If

-**

'V

l-

'^

"w?^i

^*

uaJ.

?f

l^W

^'Wtt''.

^'-'

Se^

»fvi

."!**■>.

^ll-.-t*.

Ci^

•^■Lf

^f'^V?

,-^£-s:5..

■•£^

i:-1Ski*^S

Ppv

r,t,S.' %i*

^\Vv

m**"

¥^

'^

^'ii^.

^■,

.z::^

t^V">::5

rjfj-f ,.|

'1,';

H .i

■rCl, -*

?^;

V

. _^^

fM5

^'

Digitized by the Internet Archive

in 2011 with funding from

internet archive

http://www.archive.org/details/lifework1907191100chur

H\oJ i ivi^i^uU u u\^ «Lo^ i*JLj . ')^ h.A.fi.^iJIxu^ju^'f f-Lu^ iv^i

p(t*^«eJ ^tuf5< ii^Jlcx Ai^ €ts^ l^ Aoi ou£<Ji^ 1^ IjJ>^1\J^^ ^H/)(jni<LUi/ ^(^(j ^ltC/^ OrykjiM o^io-ll^ ooLcL lu^vUi n\ Ssjo^'u

.....3.

' , ».!■>••

* »

. »=

t ■*•*'■ ' '>

i. ^

os-ia 554

Air. 1

1907.

AIG TOISEACH NA BLIADHNA.

Tha e mar chleachdadh 'nar nieasg, a bhith 'cur failte chridheil air ar cairdean aig toiseach na bhliadhna, agus a bhith 'g radh, " Bliadhna mhath iir dhuibh." Freagraidh ar cairdean agus their iad, " Mar sin dhuibhse, agus moran dhiubh."

Mar a tha fhios againn tha'n cleachdadh so a' nochdadh gu'm bheil deagh run againn fein agus aig ar cairdean do chach a cheile. Is ann mar sin bu choir do'n chilis a bhith aig gach im, gu sonraichte km measg na muinntir a tha 'g aideachadh gu'm bheil iad, ann an tomhas air an riaghlachd le spiorad a's airde na spiorad an t-saoghail.

Is olc an ni a bhith 'g aracli fuachd agus coimhicheis 'nar cridhe do neach sam bith, gu h araidh aig toiseach na bhadhna.

Ma thachair gu'n robh a h-aon dhinn ciontjich dhe'n olc so 's na bliadhnachan a dh' fhalbh, cha 'n 'eil leasachadh air a' chilis a's fhearr na grad sgur dheth Le comhnadh an Tighearna leigeamaid leis an fhuachd agus leis a' choimh- eachas del bas.

Mar a theid an teine bas le cion connaidh, ~ mar sin theid eas-coimpicheas, naimhdeas agus mi-riin bas le bhith 'g an leigeadh air dichuimhn. Ged a theid an teine bas le cion connaidh, bidh a' chagailte blath greis mhath, agus faodaidh gu'm. bi sradag beb iiine mhath anns an luath- aidh. Ma tha toil againn an teine a ghrad chur as, cha'n 'eil dbigh a's fhearr dhuinn na tonn mhath dhe'n uisge a dhortadh air.

Chuala sinn gu'm bheil an t-uisge 'na shamh- ladh air obair an Spioraid Naoimh, agus ma tha 'bheag a dh' eolas agus de thuigse spioradail againn, thu Ian fhios againn nac'.i ann le ar neart fein is urrainn duinn math a dheanamh an aghaidh an uilc, no eadhoin an t-olc fein a sheachnadh. Ach an neart nach 'eil againn gheibh sinn o Dhia e tre losa Criosd, ma dh' iarras sinn e le ar n-uile chridhe : " Is urrainn mi na h-uile nithean a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas mi," ars' an t-abstol.

Aig toiseach na bliadhna leigeamaid dhinn gach droch cleachdadh a bha sirin a' leantuinn. Na biodh mi-riin, no mealltaireachd, no cealg, no farmad, no ana-cainnt, no comhradh amaid- each, no misg, no mi-bheus uiread is air an ainmeachadh 'nar measg.

Thugamaid fa near gu'm bheil ar n-iiine trial! gu luath. Mur dean sinn feum de'n am a tha lathair an t-am taitneach faodaidh e bhith nach fhaigh sinn na cothroman ceudna gu brath tuilleadh.

O'n a thainig a' bhliadhna a thu nis air tighinn gu crich, ghairmeadh moran gu cunntais aig nach robh suil sam bith, mu'n am so an uiridh, ri teachdaire o'n bhas. Tachraidh a' cheart ni am bliadhna. Co 'nar measg a ghairmear air falbh ? Aig an Tighearna tha fios.

Tha craobhan neo-thorach ann leis an robh an Tighearna a' giiilan o chionn iomadh bliadhna. Ciod am fios nach i so a' bhliadhna air an obair an Tighearna, " Gearr sios iad, car son a tha iad a' fasachadh na talmhainn."

Sibhse a tha fo eisdeachd an t-soisgeil o chionn iomadh bliadhna, agus nach d thug geill do na cuiridhean grasmhor a fhuair sibh o am gu am, ciod a tha nar beachd a dheanamh ? Am bheil e na's fhusa dhuibh sibh fein a thoirt suas- do Dhia an diugh na bha e o chionn iomadh bliadhna? An ann oirbh fein, no air Dia a tha sibh a' cur coire a chionn gu'm bheil sibh fathast an taobh am muigh de rioghachd Dhe ? Cluinnibh ciod a tha facal an Tighearna ag radh : " Ciod tuilleadh a ghabhadh deanamh ri m' f hionlios nach d' rinn mi ann ? Car son an uair a dh' amhairc mi an d' thugadh e mach dearcan fiona, a thug e mach dearcan fiadhainn.'" Is. v., 4.

Thuirt Criosd. " Gidheadh cha'n aill leibh' teachd am ionnsuidh-sa a chum gu'm faigheadh sibh beatha." Eoin v., 40.

So agaibh an cuireadh mu dheireadh a th'anns an fhirinn, agus gu cinnteach tha e cho farsuinn 's a b' urrainn neach sam bith iarraidh : "Agus a ta an Spiorad agus a' bhean nuadh-phosda ag radh. Thig. Agus abradh an ti a chluinneas, Thig. Agus an neach air am bheil tart thigeadh e. Agus ge b'e neach leis an aill, gabhadh e uisge na beatha gu saor." Taisb. xxii., 17 Co 'nar measg a's urrainn a radh nach do bhuin an Tighearna gu grasmhor trbcaireach ruinn san am a dh'falbh?

Sibhse a dh' fhaodas a radh le firinn gu'n d' earb sibh ciiisean bhur n-anama ri losa Criosd, thugaibh taing agus moladh do Dhia a ghin sibh gu be6 dhochas le oibreachadh an Spioraid Naoimh. Fhuair sibh an cuireadh, agus 1& comhnadh an Tighearna, thill sibh o sheachran, bhur slighe. Cumaibh air bhur 'n-agaidh ceum

.2

air cheum. Deanaibh bhur dichioll a chum gu'm bi sibh taitneach dhasan a ghairm sibh o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd Shatain g'a ionnsuidh fein. Le foighidin ruithibh an reis a chuireadh romhaibh ag amharc air losa. An iiine ghearr thig crioch air gach trioblaid agus hvbn agus buaireadh leis am bheil sibh air bhur sarachadh.

Is e ar guidhe ri Dia, gu'n d6irteadh e nuas a bheannachd air gach aon dhibh. Gu'n deb- naicheadh e bhith beothachadh na muinntir a tha marbh gu spioradail, agus a bhith 'toirt beadia na's ro phailte dhaibsan a bheothaich e mar tha, a chum gu'n nochd iad o am gu am, cumhachd saor ghrais Dhe air an anam. Gu'n robh a' bhhadhna so 'na bliadhna mhath iiir dhuibh gu leir araon ann an seadh aimsireil agus spioradail.

SEUMAS.

Bha Seumas 'na mhaghstir-sgoile ann an sgir- eachd cho iomallach 's a bh'anns a' Ghaidheal- tachd agus an aite cho iomallach 's a bh' anns an sgireachd. Cha robh duals mhaighstir-sgoile sgireachd aig an km ud ach gle bheag an coimeas ris na duaisean a th'aig maighistirean- sgoile aig an am so. B'e c6ig puinnd deug air fhichead Shasunnach 's a' bhliadhna an duals a bha gu cumanta a bh'aig na mighistirean-sgoile sgireachd aig an am ud air feadh na Gaidheal- tachd, agus b'e so an duals a bh' aig Seumas.

Bha Seumas toilichte gu le6r le a dhuais ; agus faodar a radh gu'n robh e 'na shaoithriche nach ruigeadh a leas naire a ghabhail, a' roinn facal na foghlum gu dichioliach. Agus tha toradh a shaoithreach ri fhaicinn gus an latha 'n diugh. B'iomadh fear a b'fhoghluimte na e ; ach b' ainneamh fear a bha cho dichioliach ris. Mar a tha'n seanfhacal ag radh: "Is fearr dichioll an duine laig na neo-shunnd an duine laidir."

Cha robh Seumas p6sda aig an am, agus cha mho a smaoinich e air p6sadh. Bha piuthar dha 'na bean-taighe dha, agus bha i gle ghlic deanadach. Cha robh scaireap sam bith inntCj agus ged a bha'n duals beag, cha robh eis sam bith air Seumas : agus an aite bhith ann am fiachan, mar is minic a bha mhaighstirean-sgoile aig an am ud agus o'n uair ud is ann a bha e cur beagan air chiil a laimhe leis an robh e comasach air beagan cuideachaidh a dheanamh le cuid le dhaoine bochda a bha ann an dliith dhaimh dha.

Bha Seumas gle fhaideach curamach mu'n duals bhig a bha e cosnadh ; ach cha robh e spiocach idir. Bha cuid de'n chloinn a bh'anns an sgoil aige gle fheumach air cuideachadh

fhaotainn uailhe. Bha na parantan bochd, dripeil gu lebr, agus cha robh e gle fhurasda dhaibh leabhraichean is paipear is pinn is inc a cheannach do'n cloinn. Bha so a' toiit mbran obrach a bharrachd do Sheumas. Dh' fheumadh e a dhol do'n t-seomar-sgoile a h-uile madainn uair roimh 'n am 's am biodh a' sgoil air a fosgladh gus na pinn a dheasachadh. Cha robh pinn chruadhach ann am fasan anns an am ; agus bha aig gach mighstir-sgoile ris na pinn-ite a dheanamh, agus sgriobhadh a chur air barr gach duilleig mar eisimpleir do na sgoileirean. Bha itean gheadh is shulairean pailt gu lebr. Bha iad ri'm faotainn timchioll a' chladaich.

Ach o'n a bha an obair so gle dhraghail, agus an sgriobhadh fada o bhith a reir miann a' mhaighstir-sgoile, chuir Seumas roirahe gu'm biodh cuisean air atharrachadh dbigh an tiine gun bhith fada. Fhuair e dhachaidh leabhraich- ean is paipearan is pinn is ince. Bha 'g iarraidh beagan air son nan leabhraichean ; ach bha e toirt gach ni eile seachad do'n chloinn a nasgaidh. Cha robh e cur eadar-dhealachadh eadar teaghlachd is teaghlachd ; agus bha e faigail paigheadh nan leabhraichean gu toil nam parantan, agus faodar a radh gu'n d' fhuair e paigheadh air aon dbigh no dbigh eile ri uine.

Bha'n obair na b'fhasa dha fhein, bha 'chlann na bu deigheile air an sgoil an uair a fhuair iad leabhraichean iira agus a chuireadh nam buidh- nean air leith iad. Bha so a' toirt mbr- thoileachadh do na parantan agus do shluagh an aite gu leir, agus cha'n ann aige fhein bu lugha bha de thoileachadh ; air bha a chridhe anns an obair.

Chaidh bliadhnachan seachad agus cha robh Seumas a' faireachadh g'a dhith aon dad a bha e cosg ris na sgoileirean. Agus ged a bha e ceadaichte dha paigheadh sgoile iarraidh, cha d'iarr 's cha d'fhuair e sgillinn riamh ; agus theireadh e an uair a leig e uaithe an sgoil gu'n robh e gle thoilichte gu'n d' rinn e mar a rinn e.

Aig am araidh de'n bhliadhna cha bhiodh aige ach beagan chloinne anns an sgoil. B'e aa t-am so an uair a bhiodh na daoine trang ri obair an earraich. Bhiodh gach sgoilear a b'urrainn car obrach a dheanamh air a chumaU aig obair, agus cha bhiodh 's an sgoil ach an fheadhainn bheuga. Mar so cha bhiodh am maighistir sgoile ach na leith thimh, agus gus an iiine a chur seachad bha e ceannach leabh- raichean ; agus am measg nan leabhraichean so bha obair nam barda Beurla. Ghabh e tlachd mbr ann an leughadh na bardachd so.

Is e thainig as a' chilis air a' cheann mu dheireadh gu'n do bhuail e anns a' cheann aige gu'm bu chbir dha feuchainn ri beagan bardachd a dheanamh. Bha fhios gu'n robh sradag bheag de ghrid na baardachd anns na daoine o'n

d'thainig e, agus bha e 'smaointean o'n a bha e fhein 'na sgoilear na b' fhearr na na daoine o'n d' thainig e gu'm biodh e nadarra agus coltach gu leor dha 6raii beag no dha a dheanamh. Ach cha robh fhios aige ciod e an cuspair a roghnaicheadh e mar bhonn do'n oran. Thug e iomadh oidhirp, ach o'n nach robh an obair a' dol leis cho math 's bu mhiannach leis thuirt ris fein gu'm b' fhearr dha an obair a leigeadh as a cheann.

Ged a bha Gaihg gu le6r aig Seumas barr- achd na bh'aige de Bheurla b'anns a' Bheurla a bha e feuchainn ri bran a dheanamh. Anns an am bha dimeas mor air a dheanamh air a' Ghaihg. Bhiodh a huile fear is te a bha 'g am meas fein os cionn a' chumanta feuchainn ri bhith labhairt Beurla aig gach am. Rud iongan- tach am feadh 's a bha bran Giiihg air a mheas 'na pheacadh cha cuid dhe'n t-sluagh a' faicinn cron sam bith ann an bran Beurla. Aig banais no aig cruinneachadh sam bith eile far am ghnath le daoine aga a bhith ri fearas-chuid- eachd, cha bhiodh meas air bran Gaihg.

( Ri leaniuinn.)

AM FEUM A'S COIR A DHEANAMH DE'N EOLAS SHLAINTEIL.

Air a Leantiiinn.

IV- A chum mothachadh a thoirt do neach iini pheacadh, ?nu fhlreaniachd, agus mn bhreitheanas leis an t-soisgeul, no co-cheangal nan gras, is tiginn da tri nithean a thuigsinn. i. Gu'm bheil ana-creidimh ann an losa Criosd, no bhith diiiltadh co-cheangail nan gras a ta air a thairg- seadh annsan, 'na pheacadh eile an aghaidh an lagha; do bhrigh air do luchd-eisdeachd an t-soisgeil gun bhith creidsinn ann an Criosd gu'm bheil iad a' cur cul ri trbcair Dhe ann an Criosd, an aon t-s!ighe gu saorsa o pheacadh agus o fheirg, agus nach geill iad gu bhith air an dean- amh r^idh ri Dia.

a. A rithist, is fheudar dha a thuigsinn gu'm bheil lan-mhaitheanas peacaidh, agus iior f hirean- tachd, ri 'm faotainn a mhain le creideamh ann an losa Criosd, do bhrigh nach 'eil Dia ag iarraidh cumha sam bith eile ach creideamh; agus gu'm bheil e toirt teisteis o neamh gu'm bheil e Ian thoileach peacaich fhireanachadh air a' chumha so.

3. Is fheudar dha a thuigsinn air dha ghabhail ri fireantachd tre chreideamh, gu'n lean breith- eanas air an aon laimh a chum oibre an diabhuil a sgrios anns a' chreidmheach, agus gu obair na naomhach a choimhlionadh le neart. Agus le

bhith diultadh fireantachd a ghabhail tre chreid- eamh ann an losa Criosd, gu'n lean breitheanas, air an laimh eile, a chum an t-ana-creidmheach a dhiteadh, agus gus a sgrios maille ri Satan agus a luchd-muinntir gu siorruidh.

A chum na criche so, foghnaidh na sgriobtuir- ean a leanas am measg mhbrain eile gu meudachd peacaidh an ana-creidimh a leigeadh ris ; no a chum meud a' pheacaidh a tha ann an diultadh tairgse co-cheangail nan grks ann an Criosd a thairgseadh dhuinn. Faicibh tairgse nan gras mar a tha i air a dheanamh. Is. 45, 3 " Aomaibh bhur cluas, agus thigibh do m' ionnsudh-sa (deir an Tighearna) eisdibh agus mairidh bhur n-anam beb, agus ni mi co- cheangal siorraidh ribh, eadhoin trbcairean cinnteach Dhaibhidh." Is e sin ma chreideas sibhse agus gu'm bi sibh reidh rium, bheir mi le m' cho-cheangal Criosd dhuibh, agus maille risan gach uile ghras slainteil : tha so air aithris a rithist Gniomh 13, 34.

A rithist, thoir fa near, gu'm bheil an tairgse shbnraichte do gach neach fa leith ; mar a tha soilleir o'n fheum a tha'n t-abstol a' deanamh dhith. Gniomh, 16, 31. " Creid anns an Tighearna losa Criosd, agus saorar thu fein agus do thaigh."

Tha reusan na tairgse so air a thoirt seachad, Eoin 3., 16. "Oir is ann mar sin a ghradhaich Dia an saoghal gu'n d'thug e aon-ghin Mhic fein, a chum ge b'e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu'm bi a' bheatha shiorruidh aige."

Air an aobhar sin air do'n t-slainte mhbir so a bhith air a tairgseadh, anns an Tighearna losa Criosd, ge b'e nach creid ann, ach aig am bheil diiil ri slainte air dhbigh ^iginn eile, ciod a tha e' deanamh ach a' leantuinn air diomhanasaibh breugach, agus a' treigsinn a thrbcair fein a dh' fhaodadh a bhith aige ann an Criosd. Ciod eile a tha e' deanamh ach a' toirt mbr-thoibheum do Dhia 'na chridhe, mar a tha e air a radh, "An ti nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrigh nach do chreid e an fhianuis a tiiug Dia mu thimchioll a Mhic." Agus is i so an fhianuis gu'n d' thug Dia dhuinn beatha mhair- eannach ; agus tha a' bheatha so 'na Mhac."

Agus tha Criosd fein a' toirt teisteis nach 'eil peacadh sam bhith an aghaidh an lagha cosmh- uil ris a' pheacadh so. Eoin 15, 22. " Mur bithinnsa air teachd, agus air labhairt riutha, cha bhiodh peacadh aca ; ach a nis cha'n 'eil leithsgeul am peacaidh aca."

Faodaidh so mothachadh a thoirt do dhuine mu mheud a' pheacaidh so, ctil a chur ri tairgse Chriosd, no bhith gun chreideamh aiin.

{Ri leajituinn).

LAOIDH.

" Seallaibh ritimsa, agus biihibh at?' bhur iear- nadh, idle iomallaibh na tahnhainn." Is. xlv. 22.

'Pheacaich thruaigh, 'tha lag is fann, 'Gimeachd tiiirseach troimh an ghleann, Gillian uallaich is tu sgith, Seall rl losa, Righ nan righ.

Tha e dliith dhuit aig gach am ; Eisdidh e ri d' ghearain fann ; Togar dhiot an t-uallach trom ; Siubhlaidh tu troimh 'n ghleann le fonn.

Gheibh thu aoibhneas, fois, is sith, Ann an cuideachd Righ nan righ, Ceum air cheum mar bhios tu triall ; 'S ni a ghairdean treun do dhion.

Anns an dachaidh ghl6irmhoir shuas, Cha bhi deuchainn, brbn, no truaigh Chaoidh cha n fhaicear deur air siiil, Ann an luchairt Righ nan dul.

Fad nan linntean siorruidh buan, Anns an luchairt ghl6irmhoir shuas, Seinnidh iad gu ceolmhor binn 'S aoibhneas siorruidh air an cinn.

I. M'R.

NITHEAN NUADH AGUS SEAN.

CIONNUS A LEUGHAS TU?

Am bheil thu tuigsinn na tha thu 'leughadh ? Mur 'eil, am bheil thu ag iarraidh se61aidh air neach sam bith eile ?

An d'thug thu riamh fa near nach dean a bhith leughadh feum sam bith dhut mur tuig thu na tha thu 'leughadh?

larr fiosrachadh o gach neach do'n aithne fiosrachadh a thoirt dhut. Os cionn gach ni iarr gu'm biodh an Spiorad Naomh g'ad threb- rachadh a dh' ionnsuidh gach uile fhirinn ; ach ma tha thu diiiltadh Chriosd a ghabhail mar do shlanuighear, cha ruig thu leas duil a bhith agad gu'n treoraich an Spiorad Naomh thu.

Is ann do na creidmhich a tha gealladh an Spiorad air a thabhairt.

Cha treoraich an Spiorad Naomh thu a dh' ionnsuidh firinn nach do leugh 's nach cuala thu air a leughadh riamh.

Tha moran ann leis am bu mhiann e61as fhaotainn air facal Dhe, ach cha'n 'eil iad debnach a' bheag de'n tiine a chaitheamh ann a bhith rannsacbadh an fhacail. Tha iad cosmh- ail ri duine a bhiodh toileach barr math a bhith aige 'san fhoghar, ach leis nach aill a' bheag a dh' obair a dheanamh 'san earrach.

Tha cuid ann leis an fhearr gu mor comhairle a thoirt seachad na comhairle a ghabhail.

Tha e math gu lebr comhairle na corach a thoirt air daoine eile, ach tha e mbran na's fhearr gu'n deanadh daoine iad fein an ni a tha ceart.

An uair a bhios an turadh ann 's e sin am gu caoineachadh an fheoir. Tha so a' teagasg dhuinn gu'm bheil am ann air son gach obair a dheanamh

Ma's math leat do dhachaidh a bhith sona, feuch cho math 's is urrainn duitri deanamh sona.

Ma's miann leat daoine bhith caoimhneil riut, bi caoimhneil riutha. Tha caoimhneas a' dusgadh caoimhneis annainn, mar a tha gradh a' dusgadh graidh.

Na dean suas cairdeas ris an duine aingealta, no ris a' mhisgear. Faoduidh tu bhith cinn- teach gu'm fas thu coltach ri do charaid ma bhios tu trie 'na chuidheachd.

Ma geibh thu am mach nach 'eil muinntir eile cho math 's a shaoil thu na meudaich an bochdan ann am fianuis an t-saoghail. Air an laimh eile ma tha barail mhath agad air daoine, ma dean tuilleadh 's a' choir de mholadh orra. Tha cuid dhe do luchd-eblais nach 'eil cho dona 's a tha thu 'smaointean, agus tha cuid nach 'eil cho math 's a tha thu smaointean.

Ma tha beairteas agad na dean uaill as, oir faodaidh e sgiathan a dheanamh dha fhein, agus siubhal gu luath air falbh as do shealladh. Na dean uaill asad fein, no as d' inblie, no as do chairdean no a ni air bith talmhaidh, "An ti a ni uaill deanadh e uaill as an Tighearna.''

Ma thig calldachd ort is fearr dhut gu mbr a bhith riaraichte le cuisean na leigeadh le d' inn- tinn a bhith fo thuilleadh 's a' choir de dhragh ; oir le bhith fo mhor dhragh bheir thu tuilleadh brbin ort fein agus cha leasaich thu an call a thainig ort.

Thig na trioblaidean agus na trbcairean, mur is trice, cha'n ann 'nan bnar ach nan grunnam.

Beag 's mar a dh' fhaodas cuid de ar gniomh- aran a bhith 'n ar sealladh fein, faodaidh mbran uilc, no moran math eirigh uapa air a' cheann mu dheireadh ; air an aobhar sin bu choir dhuinn ar ceart aire thabhairt ciod a theireamaid agus ciod a dheanamaid.

Mur 'eil duine ann an tomhas beag no mbr naomh, cha'n urrainn a dhbchas a bhith beb.

Am fear a tha' gabhail tlachd anns a' pheac- adh, cha'n urrainn e tlachd a bhith aige ann ari Dia. Gabh tlachd an Dia is bheir e dhuit \z.vt rim do chridhe chaoidh : do shlighe tabhair suas do Dhi ; earb ris is bheir gu crich.

Is comharradh foUaiseach air fior chriosduidb spiorad Dhe a bhith 'na chomhnuidh ann.

Air. 2

1907.

MU CHRAOBH-SGAOILEADH T-SOISGEIL.

AN

" Thugadh dhomhsa gach uile chumbachd air neamh agus air an talamh. Uime sin imicliibh- sa, agus deanaibh deisciobuil de gach uile chinn- each, 'gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a' Mhic, agus an Spioraid naoimli ; a' leagasg dhaibh gacli uile nithean a dh' aithn mise dhuibh a choimhead : Agus feuch a ta raise maille ribh a ghnath, gu deireadh an t- saoghail." Mata 28, 19-20. Tha na briathran so gu soilleir a' dearbhadh dhuinn gu bheil e mar fhiachan air na h-uile a fhuair a' bheag no 'nihor a dh' e61as air Dia, agus air cumhachd an t-soisgeil, an uile dhichioU a dheanamh a chum deadh sgeul a mhbr aoibhneis a chur a dh' ionnsuidh na muilleannan a tha fhathast gun Dia, gun d6chas_anns an t-saoghal. Cha 'n 'eil ann ach an aon dbigh air an obair mhath so a dheanamh : 'Se sin, daoine a fliuair eblas slainteil air Dia ann an Criosd, agus a fhuair gairm o Dhia gu dhol a shearmonachadh an ! t-soisgeil, a chur le teachdaireachd na slainte a dh' ionnsuidh nan Ii'idhach agus nan Cinneach. Tha e 'na aobhar gairdeachais do na h-uile leis am miann aobhar Chriosd a chur air aghaidh, a bhilh 'cluinntinn 's a' faicinn, gu bheil mbran anns an rioghachd a tha ro dhebnach adhol le teachdaireachd na slainte adh' ionnsuidh nan liidhach agus nan Cinneach, nam biodh doigh ann air an cosdais a phaigheadh. Na 'm b' urrainn iad so cosg orra fhdin cha 'n iarradh iad cuideachadh sam bith o neach eile. Mar is trice, tha 'n Tighearn' a' gairm nan seirbhiseach cho urramach 's a th' aige anns an t-saoghal, a measg an t-sluaigh aig nach 'eil aon chuid saoibhreas no ard-inbhe. Ann an craobh- sgaoileadh an tsoisgeil, faodaidh na h-uile. ma tha toil aca, an lamh a chur. Chuir am Maighstir urram gle mhbr air a luchd lean- mhuinn an uair a dh' earb e riutha an soisgeul a shearmonachadh do gach diiil. ladsan nach toir lamh-chuideachaidh seachad tha iad a' diiiltadh na h-urram so a ghabhail o 'n Mhaighstir. Tha sinn a' meas gu bheil iad, an da chuid, a' cur beannachd a dhith orra fhein, agus air muinntir eile. Nan do chuir Dia a leithid a dh' urram air na h-ainglean 's gu 'n d' earb e riutha an soisgeul a shearmonachadh do gach duil, bhiodh iad, tha sinn a' creidsinn, gid dhebnach air an urram a ghabhail, agus iad fhein a thoirt suas gu buileach do 'n obair mhath so. Tha 'n fhirinn ag innseadh dhuinn

nach e rahain gur toil leb a bhith 'gabhail beachd le tiachd air an obair mhath so, ach mar an ceudna, gu bheil iad a' deanamh gairdeachais an uair a ni peaeach aithreachas. Nan 'd earbadh searmonachadh an t-soisgeil riutha cha bhiodh feum air aon sgillinn airgid a chruinn- eachadh a chum biadh no aodach a thoirt dhaibh, no chum faradh a phaigheadh air an son an am dhaibh a bhith falbh o dhuthaich gu duthaich. Ach ann an riaghladh glic an Tighearna is ann ri daoine a dh' earbadh craobh- sgaoileadh an t-soisgeil, do bhrigh gur iad bu fhreagarraiche air son na h-oibre na na-h-ainglean.

Dh' ainmich sinn mar tha gu 'n do chuir Dia urram mhbr oirnn fhein 's air muinntir eile an uair a dh'earb e an obair mhbr agus ghlbirmhor so ruinn ; agus, le diiiltadh cuideachadh a thoirt seachad, gu robh muinntir a' cur beannachd a dhith orra fhein. Tha e fior gu lebr gu bheil e 'na bheannachd ni's mb ni a thoirt seachad na ni fhaotainn. An uair a thig diol-deirc a dh' iarraidh fasgadh na h-oidhche, no greim a dh' itheas e, gabhaidh sinn truas dheth, agus bheir sinn dha rud, agus bithidh sinn taingeil nach 'eil sinn fhein ann an suidheachadh an diol- deirc thruaigh, ach gu bheil sinn comasach air a' bheag no mhbr de chuideachadh a thoirt dha 'na eiginn.

Aidichidh sinn uile gur gniomh math biadh a thoirt do 'n acrach, deoch a thoirt do 'n tart- mhor, an lomnochd a chbmhdachadh, agus fasgadh na h-oidhche a thoirt do 'n anrach bhochd, thruagh, aig nach 'eil ionad anns. an cuir e 'cheann fodha. Ach nach e gniomh mbran is fhearr lamh-chuideachaidh a thoirt seachad a chum an t-anam neo-bhasmhor a shaoradh o chionta, agus o chumhachd peacaidh? Ged is aobhar brbin agus mulaid a bhith 'faicinn mar tha creutairean truagha gun ach gan an deb annta le cion bidh is aodaich, nach ann a tha 'n t-aobhar brbin agus mulaid ro mhbr a bhith 'toirt fa near gu bheil an earann a 's mb de shluagh an t-saoghail tur aineolach air an Ti a tha na aonar comasach air an deanamh sona, araon anns an t-saoghal so, agus anns an t-saoghal thall. O ! nach cruaidh an cridhe a th' aig an neach a thilleas am bochd agus am feumach air falbh falamh 6 'dhorus an uair a dh' fhaodas e cobhair a dheanamh orra ! Ach nach cruidhe gu mbr cridheachan na muinntir a dhiultas a bheag no mhbr de chuideachadh a dheanamh leis na truaghain a tha basachadh gu siorruidh le cion eblais air Dia tre losa Criosd ! 1

G

Tha fhios againn gu bheil m5ran ann a tha ro dheas air a bhith gabhail an leithsgeil fhein a chionn nach 'eil iad beairteach. Their iad gu bheil barrachd 's gu lebr acasan ri dheanamh iad fhein agus an teaghlaichean a chumail suas. Their iad mar an ceudna nach fhairich an eaglais aice no uaipe am beagan cuideachaidh a b' urrainn iadsan agus an leithidean a thoirt seachad a chum aobhar Chriosd a chur air aghaidh. Ged a their iad so ruinne, agus riutha fhein, cha seas e ann an lathair Dhe. Dh' fhaodadli a' bhantrach bhochd a chuir an da bhonn bheag anns an ionmhas na leith-sgeulan a dh' ainmich sinn a ghabhail, agus an da bhonn bheaga a chumail na pbcaid gus an ceannaich- eadh i greim de 'n bhiadh leotha. Ach nan d' rinn i so cha bhiodh iomradh oirre anns an t-soisgeul. Ghabh an Ti do 'n l^ir na h-uile nithean beachd s6nraichte air an ni a rinn i, agus mhol e gu m6r i. Cha 'n ann air maud na suim a bheir sinn seached a tha 'n Tighearna 'g amharc, ach air an durachd leis an toir sinn seachad i. Giulainidh gach neach 'uallach fein. Tha aon sgillinn o 'n duine bhochd, ma 's e sin na 's urrainn da thoirt seachad, cho luachmhor ann an sealladh Dhe ri punnd Sasunnach o 'n duine bheairteach nach fhairich 'ga dhith e.

Dh' fhaodadh iomadh aon mbran a bharrachd a dheanamh na tha iad a' deanamh nan gabhadh iad an dbigh a tha 'n fhirinn ag iarraidh orra ghabhail. " Air ceud la gach seachduin, cuireadh gach aon agaibh ni leis fein anns an ionmhas, a reir mar a shoirbhich leis, chum nach bi tionail ri 'n deanamh an uair a thig mise." I Cor. i6, 2.

Is aithne dhuinn duine, ach cha cheadaich e •dhuinn innseadh c5 e, a thug barrachd seachad an uiridh air son aobhar an Tighearna na thug e bliadhna riamh, agus an dochas gu 'n dean mbran eile air a' bhliadna so mar a rinn esan an uiridh, agus mar a tha sinn a' creidsinn a ni e 'm bliadhna, innsidh sinn dhuibh an doigh a ghabh e.

O chionn cbrr is bliadhna bha aire an duine so air a tarruinn gu riior a dh' ionnsuidh na dbigh anns an robh mbran de luchd-leanmhuinn Chriosd a' gabhail an leithsgeil fein le bhith smaoineachadh gu 'n cuireadh e call m6r orra cuibhrionn de 'm maoin a thoirt seachad do Chriosd. An am dha bhith gabhail beachd air na h-earrannan de 'n fhirinn a tha 'g aithneadh an dleasdanais so, rinn na h-earrannan a leanas greim mbr air an inntinn aige. "Thoir urram do 'n Tighearna le d mhaoin agus le ceud thoradh d' uile chinneis : Agus lionar do shaibhlean le pailteas, agus le fion nuadh ruithidh d' fhion-amair thairis." Gnat. 3, 9-10. •'Thugaibh an deicheamh uile chum an taigh- thasgaidh, air chor 's gu 'm bi biadh ann am

thaigh-sa ; agus dearbhaibh mi nis leis an ni so, tha Tighearna nan sluagh ag radh, mur fosgail mi dhuibh uinneagan nan neamh a dhbrtadh a mach beannachd oirbh, gus nach bi aiteann g' a chumail." Mai. 3. 10. Cha b' urrainn da gun fhaicinn gu robh na h-earrannan so a' teagasg nach cailleadh neach sam bith air a chuid fhdin a thoirt do Dhia. Air ceud la gach seachduin chuir e tasdan air leth ann am bocsa beag do 'n Tighearna. Aig deireadh na bliadhna, bha da phunnd Shasunnach, agus da thasdan deug deas aige air son aobhar Chriosd a chuideachadh am measg nan ludhach agus nan Cinneach. Tha e 'g aideachadh ann an lathair Dhe gu 'n do shoirbhich an Tighearna leis re na bliadhna dh' fhalbh ni bu mho na shoirbhich e leis riamh, agus tha e suidhichte air barrachd is tasdan a chur air leth do 'n Tighearna gach Sabaid air a' bhliadhna so. A chum a dhearbhadh nach duine a tha comasach air moran a thoirt seachad a th' ann, faodar a radh gu robh e iomadh latha gun aon tasdan na phbcaid. Ach aig deireadh na bhiadhna tha e 'g radh gu 'n do chiomhlion an Tighearna a ghealladh a reir mar thomhais e fhein umhlachd do 'n Tighearna.

Bheireamaid comhairle air ar luehd-leughaidh an dbigh a ghabh an duine so a ghabhail, agus a' bheag no 'mhor a chur air leth do 'n Tighearna gach latha Sabaid. Ma chuireas gach neach aon sgillinn ruadh air leth gach latha Sabaid, bidh ceithir tasdain agus ceithir sgillinn aige gus an sineadh seachad aig ceann na bliadhna. Nis, is ann ro bhochd a tha 'n duine nach urrainn aon sgillinn 'san t-seachduin a thoirt do 'n Tighearn. Ni bonn-a-sia san t seachduin, da thasdan, agus da sgillinn 's a' bhliadhna ; agus ni fearrdainn 'san t-seachduin tri sgillinn deug 'sa 'bhliadhna. Beag 's mar a tha 'n t-suim so is lionar iad nach toir seachad i. Agus gu cinnteach feumar a radh gur ann gle ainneamh a thachras duine ruinn a tha cho bochd 's nach urrainn da fearrdainn 's an t-seachduin, no sgillinn 's a' mhios, a chur air leth do 'n Tighearna. Feumaidh sinn a radh, ged a tha e nar ri aithris, gu bheil cuid de 'n luchd-comanachaidh nach toir aon sia sgillinn do 'n Tighearna eadar da cheann na bliadhna ! Ach nan cuireadh a h-uile aon de 'n luchd- comanachaidh a th' ann an Eaglais na h-Alba aon fhearrdainn 's an t-seachduin, no tri sgiliinn deug 's a' bhliadhna, air leth a chur a dh' ionnsuidh nan Cinneach, dheanadh e c6rr is ochd mile fichead punnd Sasunnach. Dheanadh sgillinn 's an t-seachduin, cbrr math is cbig fichead mile punnd Sasunnach 's a' bhliadhna Agus dheanadh tasdan 's an t-seachduin, corr math is muillean, agus tri cheud mile punnd Sasunnach 's a' bhliadhna. Uaith so chi sinn gur mbr a dh' fhaodas daoine dheanamh a chum

aobhar Chriosd a chraobh-sgaoileadh ma ni iad ni 's urrainn daibh. Nam biodh gradh mor againn do Chriosd bhiodh tlachd mor againn arm a bhith 'toirt iimhlachd d' a aithntean, agus bheireamaid gu toileach seachad na b' urrainn duinn a chum gu 'm biodh deadh sgeul a mhor aoibhneis air aithris ann an cluasaibh nan ludhach agus nan Cinneach. Ma thig caraid a tha ionmhuinn leinn a dh' ionnsuidh ar taighean, nach sinn a bhios deas a chum na nithean a 's fhearr a tha fo na cabair againn a chur air a' bhbrd 'na lathair ? Nach e Criosd an caraid is dliiithe a leanas na brathair ? Nach e an neach mu dheireadh air am bu choir dhuinn dearmad a dheanamh ?

Tha aobhar againn a bhith 'creidsinn gur e cion toirt fa near is coireach gu bheil m6ran de shluagh na h-eaglais a' toirt cho beag seachad de 'm maoin a chum aobhar Chriosd a chur air aghaidh anns an t-saoghal. Cha 'n 'eil iad a' toirt fa near gu bheil uibhir feuma air cuideach- adh a thoirt seachad, agus cha mho a tha iad a' toirt fa near gu 'n dean an cuideachadh beag a theid aca fhein air a thoirt seachad feum m6r air a' cheann mu dheireadh. Iain.

SEUMAS.

II. Anns an am mu'm bheil sinn a' sgriobhadh bha ciiisean ann an iomadh cearn dhe n Ghaidheal- tachd gle neo-choltach ri mar a tha iad 'san am so. Cha'n fhaighteadh litrichean agus paipearan ach gle ainneamh. Anns a' chuid de'n sgir- eachd anns an robh Seumas, b'ann aon uair 'san t-seachdain a thigeadh Caluni Posta leis na litrichean 's leis na paipearan. Cha bhiodh am poca ach aotrom, ach mar a tha'n sean fhacal, ag radh " Is trom an cat ri ghiulan."

Bha astar corr math is fichead mile eadar an taigh sgoile agus am baile anns an robh Calum Posta a' faotainn nan litrichean, agus bhiodh Calum c6ir mar bu trice a' gabhail an rathaid air a shocair fhein, agus mar bu trice bhiodh e aon uair deug 'san oidhche mu'n ruigeadh e ceann a thurais.

Bha Calum 'na dhuine gle laghach caoimhneil, agus bu trie a bheireadh e gnothaichean beaga feumail anns a' phoca a dh' ionnsuidh dhaoine, agus air a shon so bhiodh daoine 'cur deur beag de Mhac-na-braiche na tbairgse a chionn nach gabhadh e paigheadh air son a dhragha. Bu trie leis deur beag a ghabhail anns an taigh-bsda a bha leitheach rathaid Agus bha e air aithris gu'm trie leis greis chadal a dheanamh ri taobh an rathaidh no ann an taigh an uair a bhiodh e sgith agus an t-side blath, ach cha chuala riamh gu'n do chain e htir no ni sam bith eile a bha

air earbsadh nis. Agus ged a bhiodh e iomadh uair car anamoch gu'n a cheann-uidhe a ruighinn cha bhiodh neach sam bith a' cur gearain a steach 'na aghaidh, ged a bhiodh neach a gear- ain eatorra fhein a' gearain gu'n robh e 'cur seachadh moran uine air an rathad.

B'e Seumas mar bu trice a bhiodh a' toirt nan litrichean thun nan daoine a bha faisge air an taigh sgoile. Bhiodh e-fhein a' dol a dh'iarraidh a chuid litrichean is phaipearan fhein agus bha e toirt leis gach litir a bhiodh a' tighinn a dh'ionnsuidh muinntir a' bhail a bha dliith air an taigh sgoile. Bha chuis mar so an am a gheamhraidh ; oir ged a bha sluagh a' bhaile ag aideachadh na diadhachd cha leigeadh an t-eagal dhaibh a dhol troimh 'n ghleann air feasgar dorcha aig am sam bith dhe'n bhliadhna. Bha e air aithris gu'n robhas a' faicinn bhochdan anns a' ghleann, agus a' cluinntinn fuaim mi- nadarra ann. Cha robh Seumas a' toirt geill sam bith de na beachdan aimeadach so. Their- eadh e riutha gu'n robh Dia comasach air an gleidheadh o chunnart ann an dubh a' mheadh- ain-oidhche cho math 's a dheanadh e ann an solus a' mheadhain latha.

Agus ged a bha iad ag aideachadh gu'n robh so fior, gidheadh bha iad a' dliith-leantuinn ris nabeachdan faoinea bha airan aithris nam measg.

Bha 'n gleann a' dol troimh aite uaigneach, agus bha pairt dheth gle chumang, agus bha na bruaichean aige gu math cas. Bu trie le clachan tuiteam sios car ma char, agus fuaim a dhean- amh a chuireadh eagal air daoine anns an robh m6ran a bharrachd eagail na bha aca de dh'earbsa ann an gleidheadh Dhe, ged a bha iad uile a' labhairt mu ghleidheadh Dhe. Is iomadh uair a thug sinn fa near ma a tha daoine cho crabhach le'n bilean am feadh 's a tha cridh- eachan gun earbsa sam bith ann an gleidheadh an Tighearna. Bha Seumas agus a thurasan troimh 'n ghleann ann an dubh a' mheadhain- oidhche 'nan aobhar- bruidhne anns an aite. Theireadh cuid nach robh mothachadh duine ann an uair a rachadh e troimh 'n ghleann gun fhiamh gun eagal. Gha robh Seumas a' cur uireachd sam bith air na bha daoine ag radh ma dheidhinn. Bha fhios aige gu'm bu cho math dha fuireach samhach ri feuchainn ri toirt air daoine cul a chur ris na beachdan amaideach do'n robh iad a' toirt geill o'n oige. Bu trie a chualas e ag radh nach b'ann le cumhachd an aideachaidh a bha iad a' deanamh a bha iad air an saoradh o'n t-saobh-chreideamh do'n robh iad a' toirt geill, ach o'n eolas a bha daoine a' faotainn air eblas air nithean aimsireil. Bha cuid de na mnathan cho crabhach 's a' bh'anns an aite a' toirt do bhuidseachd agus do bheachdan faoine eile. Is minic a thubhairt e gur e am maighstir sgoile, agus nach b'e am

ministear a chuir an teicheadh air na sithichean, air na taibhsean 's air na bochdain a bha cho pailt aon uair anns an diuhaich.

Cha do leig Seumas as a cheann oidhirp a thoirt air bran a dheanamh, ach cha robh e ag amas air cuspair freagarrach gu leor.

Anns an am thainig 6g do'n duthaich a bha iomadh bliadhna air falbh a' siubhal an t-saoghail agus ag iarraidh an fhortain. B'e Alasdair mac Dhomhaill bhuidh' a theirteadh ris gu cumanta mu'n d' fhalbh e. Bha e na ghille iomchuidh gu lebr, agus thu mi creidsinn gu'n d'rinn e aon fhortan a bh'aige ann an dbigh laghail gu lebr; ach an uair a thill e dhachaidh theireadh cuid de dhaoine gur ann leis an olc a rinn e na bh'aige de dh'fhortan. Theireadh cuid gu'n do phbs e boirionnach aig an robh mbran airgid, agus gu'n do theich e air falbh 's gu'n d' fhag ann an sid i.

Biodh so mar so, no na bitheadh, bha nieas mbr air Alasdair an uair a thill e agus a dh' fhosgail e buth mhbr. Is e Mr. Mac Aunnlaidh a t-ainm a bh'aig muinntir an aite air mar bu trice, ach bha cuid ann nach canadh ris ach Alasdair Mac Dhomhiull bhuidhe, an t-ainm a theirteadh ris 'na oige.

Mar a bha cunianta agus nadarra gu leor thoisich a h-uile nighean tuathanaich a bh'anns an dijthaich ri feuchainn ri greim air. Cha b'ann a chionn gu'n robh e na dhuine dreachar, ach a chionn gu'n robh iad a smaointean, gu'n robh airgiod aige.

Bha Alasdair 'ga mheas fhein gle fhortanach nam faigheadh e greim air an darna te dhe dithis a bha cho deonach deanamh suas ris, ach cha robh fhios aige co an te dhiubh a bhiodh deo- nach a ghabhail ; agus is e thainig as a' chuis gu'n robh e 'cumail laimhe riutha le cheile.

Mar is minic a thachair, ghabh te dhe na h-igheanan amhrus gu'n robh Alasdair neo- dhileas dhith, agus bha i 'fas coma dheth. B'i so s te bu bhbidhche dhe'n dithis, agus a bharr- achd air sin b'na i car mbr aisde fhein. Chaidh an sgeul am mach gu'n robh Alasdair a' cumail laimhe ris a dithis, agus nach gabhadh an te bhoidheach idir e.

An uair a chuala Seumas an sgeula so, smaoinich e gu'n deanadh e bran dhaibh nan triuir. Thug e iiine mhath air deanamh an brain. Cha robh facal mi-iomchuidh no mi- mhodhail eadar a dha cheann ; ach bha feala- dha gu lebr ann. Bha cuid dhe 'na Ghailig, agus pairt dhe 'na Bheurla mar a bha na h-urnuighean a bhiodh Soutar a' deanamh.

Cha robh Seumas an dull gu'm faigheadh neach sam bith fios mu'n bran ; ach fhuaradh am mach m'a dheidhinn air an dbigh so ; Bha nighean bg thapaidh anns an aite a bhiodh gu math trie a' tathaich air an taigh sgoile o'n a bha i 'na bana-chompanaich aig piuthar Sheumais.

Thachair dhi air latha araidh gu'n robh an nighean so air cheilidh air piuthar a mhaighstir- sgoile Agus o'n a bha i car luath lamhach thbisich i ri rurach air feadh leabraichean Sheumais, agus ciod a thachair rithe ach an leabhar anns an robh an t-6ran sgriobhte. Agus thoisich i ri leughadh do phiuthar Sheumais. Chord an t-bran cho math riutha 's gu'n do thbisich iad ri glagadaich 's ri gaireachdaich.

Anns an am co thigeadh a steach do'n t-seomar ach Seumas. Cha robh fhios aige ciod a theireadh e. Bu leasg leis trod rithe ; ach ghuidhe e oirre gun ghuth a thoirt ri neach sam bith mu'n bran. Ach chbrd an t-bran rithe cho math 's nach robh comasach dhi gu'm a bhith bruidhinn air 's ga sheinn.

Mar so chuala an duthaich mu'n bran. Ged a chual' Alasdair m' a dheidhinn, cha do ghabh e siiim sam bith dheth. B'e Seumas fhein an t-aon neach a bha dii!mibach de'n te a dh'aithris an sgeul.

An ceann beagan uine thainig bas aithghearr air Alasdair, agus bha 'n droch cruth a bh' air a chorp 'na chulaidh-eagail do na h-uile a chaidh g'a fhaicinn sinnte air an eislich.

An latha an deigh a bhais chaidh Seumas a dh'iarraidh nan litrichean mar bu ghnath leis ; agus chuala e sgeula air bas Alasdair agus cho aognaidh 's a bha'n cruth a bh'air an deigh a bhais. Agus smaoinich air an bran, ach bha e cho math 's a dh' fhaodadh a feuchainn ris na smaointean an so a chur dheth. Ach bha so a' fairleachdain dheth.

An uair a bha e 'greis air aghart air an rathad troimb, thainig a smaointean so gu gu grad thun na h-inntinn aige "Ma thachras Alasdair rium anns a' ghleann?"

Bhuail an t-eagal e cho mbr 's gur gann a sheasadh e a chasan. Smaoinich e uair dha air tilleadh ain ais thun an taighe a b' f haisge dha ; ach an deigh na bha e deanamh de bhosd as cho neo-sgathach 'sa bha e, agus a liuthad oidhche dhbrcha a chaidh e troimh 'n gleann, cha d' thug e ceum air ais. Ach leis gu'n robh e 'faicinn coltas duine anns gach creig agus geig a bha ri taobh an rathaid. Chuimhnich e gu'n robh Dia comasach air a dhion o gach cunnart air an oidhche ; agus gu'n robh Alasdair 'na shineadh gun chomas gluasad, agus nach robh dad a cur an eagail ach mar a bha' chogais 'g a dhiteadh. Mar a thuirt am bard. "Ni a chog- ais chiontach gealtairean dhinn uile."

Thbisich e ri urnuigh ri Dia agus ri coiseachd gu socrach air aghart, agus mu'n d'rinn e mile a dh' astar dh' fhalbh an t-eagal buileach glan dheth. Ma sguir, no nach do sguir e dhe na h-brain cha'n urrainnear a radh. Ach is trie a chualas e ag radh gur i an urnuigh ud urnuigh a b' fhearr a bh'air chuimhne aige a rinn e riamh.

Air. 3.

1907.

MU THRIOBLAIDEAN NA BEATHA SO.

" Ged nach tig amhghar a mach as an duslach, agus nach fas carraid as an talamh, gidheadh, rugadh an duine a chunn carraid, mar a dh' ^ireas na sradan suas." lob. v. 6, 7. Tha na briathran so a' teagasg dhuinn gu bheil iomadh trioblaid agus deuchainn ri tachairt ruinn r^ ar cuairt air an talamh. Fada no goirid gu 'm bi cuairt neach air an talamh tachraidh trioblaidean ris. Is trie a chunnaic sinn an naoidhean beag, lag, nach robh ach beagan laithean be6, a' fulang mbran tinneis agus trioblaid. O am gu am," tha a' chlann bheag air am bualadh as le tinneas agus le trioblaid. Tha so nadurra dhaibh uile ; ach tha cuid ann a tha bre6ite agus tinn an comhnuidh.

Tha e 'na bheannachd do 'n oigridh gu 'n dichuimhnich iad an uine ghearr na trioblaidean troimh 'n deachaidh iad, agus nach smaoinich iad gu bheil iomadh trioblaid ri coinneachadh riutha ma bhios iad a bheag a dh' uine be6. Ach an uair a thig muinntir gu inbhe, agus gu aois araidh, bu choir dhaibh beachd a ghabhail air cor, agus air suidheachadh an t-sluaigh a tha mu 'n cuairt orra, agus a thoirt fa near gu bheil amhghar agus carraid ri bhith ann an crannchur gach neach. Bu ch5ir dhaibh so a thoirt fa near, cha 'n ann a chum iad f hein a leagadh sios le mi-mhis- nich 's le ro churam, ach a chum cruadhachadh ris, agus a dhol troimh 'n fhasach so le misnich, agus le muinghinn anns an Ti tha comasach air an cumail suas, a dh' aindeoin nan trioblaidean 's nan amhghairean a thachras riutha. Bu ch6ir do na huile a thainig gu gliocas amharc rompa mu 'n gabhadh iad ceum cudthromach sam bith. "Ge b' e nach seall roimhe seallaidh e na dh^igh" An saighdear a 's curamaiche a bheir fa near an trioblaid agus an cruaidh chas troimh 'm feum e dhol, ma dh' eireas cogadh anns an rioghachd, is e a's docha a bhith ni 's misneach- aile anns a' chath na 'm fear a ghabhas anns an arm, agus nach smaoinich ach ainneamh gu 'n tig air seasamh ri uchd namhaid. An uair a dh' fheumas sinn a dhol thar a' mhonaidh, is e ar gliocas an am falbh a thoirt fa near gu bheil aonaichean agus garbhlaichean againn ri 'n direadh, agus glinn ri 'n tearnadh, agus aimh- nichean ri 'n grunnachadh, Cha 'n 'eil math dhuinn a bhith smaoineachadh gu bheil slighe chbmhnard, r^idh rornhainn. Ach air a shon sin, cha ruig sin leas tuiteam ann am mi- xnhisnich.

Thugamaid ar ceart aire nach tuit sinn anns an da mhearachd so anns an robh, agus anns am bheil, mbram a tuiteam.

1. Tha cuid ann a tha 'n duil nach tachair a bheag sam bith de thrioblaidean riutha anns an t-saoghal. Tha iad a' toirt orra fhein a chreid- sinn gu faigh iad na h-uile nithean mar is miannach lebtha. Tha iad a' dealbh 'nan inntinnean ciirsa beatha nach tachair riutha gu brath. Tha iad a' gealltainn dhaibh fdin nithean nach do gheall Dia dhaibh. ladsan a leigeas, mar so, le 'n inntinnean ruith air falbh leotha, agus a gheallas dhaibh fein nithean nach fhaigh iad, bidh iad air am mealladh gu trie, agus caillidh iad am misneach. Is gann a bhios iad latha toilichte re am beatha. Thig na deuchainnean do'm bheil na h-uile buailteach do 'n ionnsuidh o am gu am, agus maille ris an dragh inntinn a bhios aca a chionn nach d' fhuair iad gach ni ris an robh suil aca, bheir na deuchainnean so orra a bhith creidsinn gu bheil a h-uile cumhachd a th' anns an t saoghal ag ar nan aghaidh. Tha iad mar so a' call seallaidh ma fhuair iad riamh e air obair freasdail Dh6 anns an t-saoghal. Agus an uair a tha neach a tighinn a dh' ionnsuidh an t-suidheach- aidh thruaigh so cha 'n urrainn da a bhith aon latha sona.

2. Tha cuid eile ann a tha mi-shona aig gac'h am, cha'n ann a chionn gu robh iad a' gealltainn nithean dhaibh fh(^in nach d' fhuair iad, ach a chionn gu bheil iad mar is trice a' toirt orra fhein a chreidsinn gu bheil trioblaidean lionmhor dliith dhaibh. Cha 'n iad na trioblaidean a th' aca an drasta a tha cur dragh cho mbr orra, ach na trioblaidean ris am bheil suil aca, Tha iad lan-chinnteach gu bheil an ni ud 's an ni ud eile air thuar a dhol cearr, agus gu 'n tig eisean, is trioblaidean, is deuchainnean cruaidhe 'nan rathad an uine gun bhith fada. Cha 'n 'eil fois oidhche no tamh latha aca leis mar a tha 'n inntinnean tur triomh a ch^ile leis an eagal. Cha 'n iad trioblaidean is eisean an earraich idir a tha 'gam fagail cho tinn 's cho mi-shona, ach na trioblaidean a tha iad cinnteach a tha gu tighinn nan rathad uair-eiginn 'san t-samhradh, no 'san fhoghar. A dh' aon fhacal, is iad na trioblaidean nach d' fhairich iad riamh a tha cur dragh air na h-inntinnean aca. Tha iad so, mar a bha 'mhuinntir a dh' ainmich sin mar tha, a' call seallaidh air obair freasdail Dhe. Tha Criosd 'gan cronachadh, 'agus ag iarraidh orra beachd a ghabhail air mar a tha Dia a' sgead-

10

achadh fedir na macharach, agus a' beathachadh eunlaith an athair. " Uime sin," arsa Criosd, na bithibh Ian de churam ag radh, Ciod a dh' itheas sinn ? no cibd a dh' olas sinn? (Oir iad so uile iarraidh na Cinnich :) Oir tha fios aig bhur n-Atliair neamhaidh gu bheil feum agaibh air na nithaibh so uile. Ach iarraibh air tus rioghachd Dhe agus 'fhireantachd-san, agus cuir- ear na nithean so uile ribh. Uime sin na bitheadh ro churam oirbh mu thimchioll an la mkireach ; oir bithidh a Ian de churam air an la maireach mu thimchioll a nithean fein : is le6r do 'n la 'olc fein." Mata. vi. 31-34.

Bu choir dhuinn beachd s5nraichte a ghabhail air an eisimpleir mhaisich a chuir lob fa 'r comhair. Chaill e a chuid, agus a theaglach, agus a shlainte; agus ged a thainig cairdean g 'a amharc, cha d' thug iad fhein no a bhean comhfhurtachd sam bitha dha. Ach thuairt e mu thimchioll Dhe, " Ged a mharbhadh e mi cuiridh mi mo dhochas ann." Thugamaid fa near an c6mhnuidh gu bheil ar n-Athair neamhaidh a' riagladh, agus nach leig e eis sam bith do ar 'n ionnsuidh ach eis a bhios a chum ar math air a' cheann mu dheireadh, ma bhios sinn umhaill dha. An am na trioblaid cuireamaid ar n-earbsa ann. Cha 'n fhag agus cha tr^ig e iadsan a a chuireas an d5chas ann. Os ceann gach ni thugamaid an aire nach leig sinn le smaointeanan dorcha, teagmhach greim a deanamh air ar n-inntinnean. Leigemaid leis na trioblaidean a tha gu tighinn gus an tig iad, agus seasamaid gu laidir an aghaidh gach ni searbb, agus doirbh a thig 'nar rathad. Rachamaid air ar n-aghaidh a chothachadh an t-saoghail an ainm an Tighearna gach aon la.

I. M'R.

^UINE GU LEO R."

"Tha uine gu le6r againn," "Is fhad an latha gu h-oidhche," " Is iomadh latha 'th' aig a' bhas oirnn." Is trie a chuala sinn an t-bg agus an sean a' labhairt nam briathran so, agus briath- ran eile g\6 choltach riutha. Cha 'n 'eil na briathran so idir ann an co-ch6rdadh ri teagasg facail Dhe. Ann am facal Dhe tha e sgriobhta nach 'eil an am beatha an duine ach sgaile a theid as an t-seallaidh ann an tiotadh. " Tha mo laithean, mar sgaile ag aomadh sios ; agus tha mi f^in mar flieurairseargadh." Salra. cii. 1 1.

An uair a their muinntir gu bheil uinegu le6r aca, feumaidh nach 'eil iad a' toirt fa near, aon chuid cho gearr 's a tha 'n uine, no cho lionmhor 'sa tha na dleasdanais a th' aca ri'n cur an gniomh. Nan tugadh iad na nithean so far near bhiodh an uine a thug Dia dhaibh ro luachmhor nan seall- adh^ An ni a tha gann, agus a tha ro fheumail

dhuinn, tha sinn gu nadurra measail air. Ciod, ma ta, is feumaile dhuinn na Wne ? Cha'n 'eit ni ann a's feumaile, agus a's luachmhoire na uine, ach slainte an anama. Ged a bheireadh Dia 'na fhreasdal air falbh ar slainte cuirp, nam fagadh e uine againn, bhiomaid ann an tomhas toilichte a chionn gu 'm biodh cothrom againn air a bheag no mhbr de' r n-aire a shuidheachadh air nithean spioradail. Nach an aig a' mh6r- shluagh a tha 'n t-aobhar taingealachd gu bheil Dia 'na fhad-fhulangas, agus 'na mhbr-thrbcair,. a' giulan leb o latha gu latha, agus o am gu am air an talamh ? Tha Dia a' toirt dhaibh na- h-uine cha 'n ann aon chuid a chum a caitheamh gu buileach ann an seirbhis an uile, no le'n lamhan paisgte gun char 'ga dheanamh, ach a chum a bhith deanamh gach ni a fhuair an lamb ri deanamh.

Faodar dleasdanais an duine ainmeachadh fo- dha cheann, dleasdanais spioradail, agus dleas- danais aimsireil. Is iad na dleasdanais a bhuineas do'n bheatha spioradail a's cudthrom- aiche, agus air an aobhar sin cha choir do neach sam bith dearmad a deanamh orra. Tha e cianail ri thoirt fa near cho aineolach 's a tha mbran de'n t-sluagh air facal Dhe. An uair a dh' innsear dhaibh gu bheil iad aineolach their iad nach 'eil iiine aca gus am Biobull a leughadh. Cha mhb a tha iliine aca, tha iad fhein ag radh, gu dhol a dh' eisdeachd an fhacail air a shear- monachadh, no gu beachd-smuaineachadh air an fhacal, no idir gus a dhol a dh' urnuigh. Nach 'eil so iongantach leinn an uair a chuimh- nicheas sinn gu'n abair an earran a's mb de 'n t-sluagh so ruinn gu bheil uine gu lebr aca 1' Their iad iomadh uair gu bheil iad a' faireachadh na h-i\ine cho fada 's gu saoil iad gu bheil seachduinn anns a' h-uile latha ! Nan robh iad trang aig obair sam bith rachadh an uine seachad gun fhios dhaibh. Nis, ma chreideas gus nach creid iad e, cha 'n e cion uine a's coireach gu bheil iad aineolach, ach cion toile. Cha 'n eagal' nach fhaigh iad uine gu lebr gus an ni a thig. ri'n toil a dheanamh. Mur sgur iad de'n doigh- a th' aca mu'n tig crioch air an iMne a dh'' brduich Dia dhaibh, gheibhear easbhuidheach. iad aig a' bhreitheanas.

Tha cuid (ann a tha ciiramach gu lebr mu ghnothuichean na beatha so, ged nach fhaigh. iad uine gu ciiisean na beatha spioradail a chur an brdugh. Tha iad gle dheas gu bhith gabhail an leithsgeil fhein. Their iad gu bheil na dleasdanais a th' aca ri 'n coimhlionadh dhaibh. fein, do'n teaghlaichean, agus do'n cairdean cho honmhor, 's nach fhaigh iad uine gu aon- dleasdanas spioradail a choimhlionadh. "Am, fead a bha d' bglach a' bith-dheanamh an sO' agus an sud, cha ro esan ri 'fhaotainn." i Rigb.

11

20. 4°- Cha seas an leith-sgeul so idir ann an lathair Dhe. Is gann a leigeas an naire le iomadh neach iomradh a thoirt air am fianuis dhaoine ged a dh' fheuchas iad ri thoirt gu trie fa chomhair an cogaisean f^in. Cha'n faod e bhith nach teid aig neach air leith-uair, no uair, as a' h-uile ceithir uairean fichead a chaiteamh ann an leughadh, agus ann an urnuigh. Ged a b' ann as an cadal a bheireadh iad an uine bheag so cha chuireadh e mbr eis orra.

Tha mbran ann a tha caithearah earrann mhor de'n iiine gun fhios gun fhaireachadh dhaibh fein. Cha chaill iad lalha, no leith latha, d' an deoin. Ach a thaobh uairean agus mhionaidean tha iad cho beag 's cho suarach nan sealladh 's nach fhiach iad a bhith gabhail suim sam bith dhiubh. Mar is trice bidh a' mhuinnlir so 'nan cabhaig a h-uile latha 's a' bhliadhna. Cha 'n 'eii uine gu lebr aca a chionn gu bheil iad a' leigeil leis an uine ruith ar falbh gun fheum. Falbhaidh coig mionaidean an drasta 's coig mionaidean a rithist, gun fheum. An ceann na seachduinn bidh cunntas uairean air an call gun fheum, agus an ceann na bliadhna bidh cunntas mhbr laithean air an call gun fheum. Ma chailleas neach aon uair a h-uile latha fad fichead bliadhn, caillidh e cbrr is deich miosan 1 Bu chbir dhuinn a thuigsinn uaith so gur mbr a' chuid de'r n-uine a tha sinn a' call gun fheum o bhliadhna gu bliadhna.

Tha e air a dhearbhadh dhuinn gur ann air na sgillinnean, 's air na buinn-a-sia, agus air na feairrdinnean a tha a' chuid a's mo de na marsandan a' fas beairteach. Thuirt fear roimhe, '•Their thusa an aire air na sgillinnean, agus bheir na puinnd Shasunnach an aire orra fhein." Faodaidh sinn a radh a thaobh uine gur i a's luachmhoire na airgiod agus 6r, agus faodaidh sin mar an ceudna a rkdh. Thoir thusa an aire air na mionaidean, agus air na h-jtairean, agus bheir na laithean agus na seachduinean an aire orra fhein.

Tha ar n-uine gearr, agus tha i 'triall gu luath. Thugamaid ar ceart aire gu'n dean sinn feum de'n 'am a ta lathair, air tha 'n t-am ri teachd neo-chinnteacb. " Feuch, a nis an t-am taitneach : feuch a nis latha na slainte."

I. M'R.

MU SHEINN SHALM AGUS LAOIDHEAN SPIORADAIL DO DHIA.

'S e seinn moladh do Dhia aon de na gniomh- aibh is airde de aoradh diadhaidh, agus thar chach uile is cosmhuile ri aoradh neimhe. Tha'n gniomh so s51asach agus tarbhacb, 'nuair tha daoine ga ghnathachadh le urram naomha, tlachd cridhe, agus aoibhneas anama. C6 nach d-fhios-

raich an cumhachd a tha aig ce61 naomh, 's aig danaibh spioradail air an anam? C6 nach da mhothaich an dbigh air a' bheil an tuigse mar sO' air a soilleireachadh? Na h-aigneadh air an dusgadh, an inntinn air a h-ardachadh, 's an cridhe air a leaghadh. 'Nuair tha'n inntinn air a suidheachadh gu ceart san obair so, agus ag- aomadh leis na briathraibh, agus an cridhe- 'gabhail air aghaidh maille ris an dan, le fior dhiadhachd, 'an sin tha'n tairbhe a tha na lorg air a thuigsinn ; 's tha'n t'anam an sin air a lionadh, an dara cuid, le ard urram no le suaimh- neas ciiiin; tha e leaghadh as, ann an doimhne irisleachd, fo bhrbn tiamhaidh, no lasadh an aird ann an gairdeachas buadhar. Ciod an ni, gu dearbb, is cumhachdaiche gus an t'anam ardachadh os cionn an t-saoghail so, fhasgnadh agus a ghlanadh o thruailli'eachd agus o anabas na beatha so, na co'-aontachadh le each a cheile ann an aon cho'-sheirm cheblmohr, le fonn crabh- ach, agus an t anam ann an gleus diadhaidh, gu moladh Dhe a sheinn. A' bheil aon ni eile a tha gar n-ardachadh ni's dluithe do neamh, 'gar n-uimeachadh arson cuideachd nam flaitheas, na bhi cleachda sa bheatha so an ni sin o bheil iadsan a' tarruing na h-urrad shblais. 'Se righ Daibhidh bha 'gabhail dachd san obair so; 's trio esan a' glaodhaich r'a anam moladh a sheinn do Dhia. "Tha mo chridh," deir esan "ann am fonn, seinnich mi oran nuadh do Dhia,"

Mosgail mo gl6ir, 's a shiltair f6s,

a chlarsach diiisg- an iird : Air maduinn mosglam fein gu moch,

is seinneam ce61 gu li-ird.

Dhia measg a phobuill molam thu;

dhuit seinneam measg an t-sluaigh: Olr t'fhirinn is do thr5cair mhor,

gu n^amh nan neul chaidh suas.

"Tha na Sailm," a deir Raibeard Kirke. " taitneach, tarbhach ; 's beag nach Qosmhuil ri fiaitheas air thalamh Ian de ainglibh, Cill fhonn- mhor le cebl naomha. Mar abhall-ghort Edein, Ian de chrannaibh brigh'or na beatha, agus de luidhibh ioc-shlainteach, amhiuidh an leabhar Sailm Dhaibhidh, a ta na leigheas air uile an- shocair an anama. Tha'n saoghal agus gach beo chreutair a ta ann, na chlarsuich; an duine, 'se is Clarsair agus duanaire, chum mnladh do'n mhbr-Dhia mhiorbhuileach a sheinn; agus tha Daibhidh do ghnk mar fhear de'n chuideachd a bhios mar so a' caoin-chainnt gu ceolmhor m'an ard-Righ." Ma rinn Daidhidh naomha fo 'n t-Seann-tiomnadh urrad ghairdeachas ann an reachdaibh agus am maitheas De, nach math a bhuineas e dhuinne aoibhneas a dheanamh fo'n Tiomna-nuadh, aig a bheil a nis a liuthad tais- bein glbrmhor mu Chriosd agus a shochairean, agus na beannachdan sin a ta sruthadh uaith d'ar;

12

n-ionnsuidh. Bha faidhean agus naoimh an t-Seann-tiomnaidh ag geur-rannsachadh gu dich- eallach le togradh, agus b'fhada leo a bha iad gun na nithe sin fhaicinn, a tha sinn a nis a' faicinn. Cunnaic iadsan na nithe sin fad uatha, agus trid sgMle faidheadoireachd agus cosamh- lachda dorcha a tha sinne nis a faicinn neo- chbmhdaichte agus lan-fhoillsichte; air a shon so tha sinn gu brath ceanguilte gu buidheachas a thoirt, agus moladh Dhe a sheinn. A nis o'n thugadh dhuinn tomhas co ro-mh6r de eolas, agus a liuthad taisbein soilleir mu Chriosd, agus an t-saorsa choisinn e dhuinn; gu deimhin cha'n'eil e ni 's faide mar fhiachaibh oirn, na beannachda sinn a sheinn a mhain do reir co'-samhlachd dhoilleir faidheadoireachd, am feadh 's a tha iad againn ann an cainnt shoilleir, ann an Ian fhrith- ealadh an t-soisgeil. A ta e cosmhuil gun robh 'n t-abstol Pol san inntinn so, 'nuair a dh' aithn « dhuinn, cha'n e mhain feum a dheanamh de shalmaibh. ach mar an ceudna de laoidhibli agus de dhanaibh spioradail, chum 's mar sin gum faodamaid seinn ni's treibh-dhiriche, agus ni's iomlaine, mu ghradh, fulangas, agus toilltinnis Cliriosd.

Tha seinn Shahn agns Laoidhean air a bhean- nachadli le Dia mar mheadhon chum ceangal, diisgadh, leaghadh, agus ath-nuadhachadh cridh- eachan agus beatha dhroch dhaoine feolmhor. Tha moran leis an 6rdugh so air an tarruing gu feitheamh air aoradh diadhuidh, agus chum smaointeach air saoghal eile, a bha caoin-shuar- ach mu leithid so de smaointean, agus de ghniomharra, mar labhair Diadhair araidh ann an laoidh naomha,

An t-6g 's an t-aosmhor, g-'ieibh iad math o rann, Nach cuimhnich searmoin, ach mar osag fhann; 'Sa smaointidh feohiihor iompachadh gu luath, Chum iobairt mholaidh thoirt do Dhia nan sluagh.

Seadh, 's ioma droch dhuine a mhothaich anam air a bheothachadh, air a dhiisgadh, agus air a neartachadh ann an diadhachd le bhi seinn laoidhean, agus dana spioradail; mhothaich iad an cridheachan a' leaghadh arson peacaidh, agus an cridhe a' fas blath le gradh d'an Slanuighear, an uair a sheinneas iad mu fhulangas agus mu bhas air an son, 'nuair a ni iad sin nan aonar no 'an cuideachd dhaoin eile.

Am aonar seinneam anns an fhisach chian, Far nach robh guth, na glaodh, na aoradh riamh, 'San eireachd seinneam cliu le laoidhibh binn, Mar nuadh Jerusalem biodh lar gach glinn.

Is soilleir ri fhaicinn gu bheil an dleasnas agus an gniomh so ann bhi seinn do'n Tighearna, cha'n e mhain air orducha ach mar an ceudna ro-chomharaichte air a bheannachadh le Dia, bu ch6ir dhuinn uime sin misneach ni's m6 a ghabh- ail anns a! ghniomh so, ad aite bhi fo naire

daoin' eile gar cluinntinn. Sheinn P51 agus Silas gu h-ard mu mheadhon oidhche an uair a bha iad ann am priosun, agus 'an geimhlibh. Seadh, co ^rd 's gun robh a chuid eile de na priosunaich air an diisgadh leis an fhuaim; agus chuala Dia an luathghair mar thaisbean e na thrbcair dhoibhsan agus do na bha maille riu. 'Slionmhor iadsan a sheinneis orain diomhain, salach agus mi-naomha, 'sa tha coma c5 chluinn- eas iad, agus an nar leinne moladh a sheinn d'ar Fear-saoraidh gradhach ? Tha e air a radh, gun seinn na naoimh le luathghair air an leabuidh do Dhia,

Biodh air na daoinibh naomh an sin

iir-ghairdeachas 'an gloir: Is air an leabuidh seinnidh iad

do Dhia le h-iolaich mhoir.

Nach truagh gum biodh e feumail aon f hacal a labhairt chum daoin' a bhrosnachadh gu tlachd a ghabhail san obair so. Gidheadh cia liuthadh h-aon a chitear air latha sabaid 'an tigh Dhe, tha dearmadach air a chleachda so, nach tog an guth, 's nach fosgail am beul, gu moladh Dhe a sheinn, a nochda leis an t-suil luainich, 's an aghaidh neo-shuidhichte nach 'eil an cridhe sa ghniomh, nach 'eil iad a' faotainn tlachd sa cho'-sheirm naomha. Agus cia liuthadh fardoch 'sa bheil luchd-aidmheil a Chreidimh Chriosduidh as nach d-eirich riamh fuaim nan salm na fonn spioradail,

Nior leige Dia, ars am fior Chriosduidh, gur ann mar so a thachras dhorahsa,

Oir, am fad is beo mi molaidh mi,

drd righ mo bheatha 's m'iiiil; 'S an di^igh mo bhais, an saoghal c^in

cuiridh mi'n ci\\\ a chliu.

Tra thr^igeas neamh, is muir, is tlr,

's thig crioch air la is oidhch', Mo chridhe taingeil seinnidh cliu

do Dhia nan dill a chaoidh.

Feadh linnte bith-bhuantachd gu leir

togaidh mi 6ran binn ; Ach O ! 's ro-ghoirid bith-bhuantachd,

Gu moladh Dhe a sheinn.

Is minic a bha coltas an fhior dhuine chbir air an dearg-shlaoightire. Cha 'n ann ri 'm faicinn is coir daoine a ghabhail idir.

Mar is m6 a bhios de mheas aig duine air fhein, 's ann is lugha bhios de mheas aige air daoine eile.

Am fear aig am bi meas mbr air fhein cha bhi e toilichte mur bi daoine 'g a shior mholadh. Ach cha 'n 'eil rud a's lugha air na bhith a' cluinntinn a bhith moladh dhoine eile.

Bidh fuath aig daoine gu nadurra do 'n mhuinntir air an dean iad cron ; ach bidh tlachd aca do 'n mhuinntir do'n dean iad math.

Air. 4.

K^siill^^^w

^^u

H

1907.

AN T-URR. IAIN MAC RUAIRIDH.

Tha sinn cinnteach gum bi ar luchd-Ieughaidh anabarrach duilich a chluinntinn, gun do leig ministear Shnisoirt dheth a bhi 'na fhear-deas- achaidh air duilleagan Gaidhlig an leabhair so. 'S tha sinn cinnteach gum bi iad ni's duiiiche 'chluinntinn, gur h-e 's reusan dha sin, gu bheil e ann an droch shlainte. Aig coinneamh a bh'ann an Duneideann, aig a' Chomunn a tha 'sealltuinn as deigh Beatha agus Obair na h-Eaglais, air a' mhios mu dheireadh, thugadh iomradh air a' ghnothuch, 's cha robh duine a bha lathair nach robh de'n aon inntinn gun do chuir Mr. Mac Ruairidh comaine mhor air an Eaglais leis an obair a bha e 'deanadh o bhhadhna gu bliadhna anns an leabhar so. Thugadh raoran taing dha, 's bha na h-uile 'an dochas nach b' fhada gus an tigeadh e air aghaidh 'na shlainte.

Tha fhios againn gu bheil an guidhe ceudna ann an cridheachan ar luchd leughaidh. 'S iomadh latha o chuir Mu. Mac Ruairidh agus iad fhein eolas air a cheile, 's mar a b' fhearr a b' aithne dhaibh e, 's ann a bu mhotha am meas air. Ma's maith ar cuimhne, tha fichead bliadhna o ghabh e os laimh a bhi 'na fhear- deasachaidh air na duilleagan Gaidhlig so, 's fad na h-uine sin, cha chuala sinn riamh gun do thoill e dha fhein diumb duine sam bith. 'S iomadh caraid a choisinn a pheann dha air feadh na Gaidheakachd uile. Gad a bha e 'faotainn beagan cuideachaidh an drasd 'sa rithist, 'se fhein a b' abhaist a' chuid 'bu mhotha de'n Ghaidhlig anns an leabhar so a sgriobhadh. Ach cha bu chall sin, oir bha peann fir-sgriobh- aidh dheis aige, 's bha fhios aig ar luchd leughaidh gu faodadh iad daonnan fiughair a bhi orra ri teagasg fallan bhuaith, ann an rogha na Gaidhlig.

Tha sinn 'an dochas nach fhada gus am bi e ni's fhearr 'na shlainte.

AIRSON LATHA NA TRIOBLAID.

An ti a's tonm/im'nn his an Tighearn^ smackd- aichidh se e.- Jif£B xiV, 6.

NACM-'mor a'' chomhfhurtachd a th'anns an fhacal sin dhaibhsan a tha fulang o laimh an Tighearna ! 'S iomadh uair a tha daoine a' call am misnich 'nuair a thig trioblaid nan caramh.- Tha iad deas gu bhi saoilsinn gun do threig Dia

iad, 's gu bheil 'aghaidh air a tionndadh air falbh uapi ann am feirg. Ach tha 'n t Abstol a cur solus eile air a' chuis An ti a's iotiinhuinn leis an Tigkearn, smachdaichidh se e. Mar gun abradh e Cha'n ann a chionn gu bheil Dia coma air 'ur son a tha 'lamh air a leigeadh oirbh, ach a chionn 's gur h-ionmhtiinn leis sibh. Ma ghiul- aineas sibh smachdachadh, tha Dia a' buntainn ribh mar ri cloinn : oir co am mac nach smachd- aich an t-Athair? Ach ma tha sibh as eugmhais smachdachaidh, an sin is clann diolain sibh agus cha chlann dligheach. An aite smachdachadh a bhi 'na chomharra air fearg Dhe, 's ann a tha e 'na chomharra air a ghradh. An aite e 'bhi na aobhar eagail do shluagh an Tighearn, 's ann a bu choir e 'bhi dhaibh na aobhar misnich. Cha tug Dia thairis iad fhathast, 's tha e bunt- ainn riu mar ri cloinn.

I. Cha stad deuchainnean gus nach 'eil feum orra, -s e sin an reusan nach 'eil iad a stad idir.

Tha fulangas a' teagasg dhuinn iomadh ni nach tuigeamaid air dhoigh eile. Tha iomadh facal aig Dia ri labhairt ruinn nach tuig iadsan do nach aithne brbn. Tha br6n 'na iuchair a dh' fhosglas an cridhe. 'Nuair a chaidh Henry Drumiiond dhachaidh gu bhi dluth d'a athair, 's e air leabaidh a bhais, sgriobh e gu caraid Tha trioblaid 'na ni iir dhomhsa 's ilia tni 'n drasd a foghlum io7nadh ni air nach robh fhios agam, 's iomadh ni a chuala mi ach nach robh mi riamh a' creidsinn. Nach iomadh a h-aon nach tug riamh aire gu robh Dia a labhairt riu, gus an do labhair e riu le guth smachdachaidh? Fhad 's a bha e 'labhairt riu ann an guth iosal, reidb, cha chluinneadh iad e, 's cha tugadh iad fainear. Ach 'nuair a labhair e riu le guth ard, thug iad eisdeachd. 'Se th'ann an smachdachadh Dia a labhairt ruirtn le guth ard. Cha'n 'eil Dia uair sam bith cho dluth dhuinn 'sa tha e ann an am na trioblaid. Aig a leithid sin de dh'am, tha -e da rireadh 'na sheasanih aig 'ur dorus agus a' bualadh. Tha e 'g radh An diugh ma chluinn- eas sibh mo ghuth na cruadhaichibh 'ur cridhe. Nam bitheamaid a' sealltuinn air a' chuis anns an doigh so, chuireadh e solas dhuinn air iom- adh freasdal 'nur beatha fhein a tha 'n drasd dorcha. 'S iomadh uair a tha sluagh an Tigh- earna air an smachdachadh cho trom 's nach. urrainn iad gun glaodhach a mach Carson;,a; rinn Thu so. Ach ann an guth a tha Ian ie ghradli 's de thruacantachd tha Dia 'gam freag- airt A chionn 's gur h-ioninhuinn learn sibh. Bha e duilich do dhaoine anns an t-seanri t-saoghal sin a chreidsinn : tha e duilich do

14

dhaoine a chreidsinn gus an latha 'n diugh. 'Se their an saoghal:— Feunnaidh gu bheil an duine ud olc, ma bheil e fulang cho mor. Ach 'se a bu choir dhuinn a radh Feumaidh gu bheil gealltanas air chor-eigin 'na bheatha, ma bheil Dia 'ga smachdachadh. 'Se their an saoghal: Is beannaichte iadsan air nach tig carraid. Ach 'se tha Criosd ag radh Is beannaichte iadsan a tha ri bron. Cha'n e 'chlach a thilgeas an clach- air ann an teis-meadhoin a' bhalla a gheibh buillean an uird, ach a' chlach do'n dean e clach-chinn na h-oisinn. Air reir an luachmhoir- eachd 's ann a ghabhar dragh riutha. 'Nuair a tha thusa air do smachdachadh, abair riut fhein, 's biodh e dhuit 'na mhisneach 'san dorchadas Tha Dia a! gabhail dragh rinm. 'S docha gun cunntadh Moab e fhein sona, 's gum biodh farmad aig a choimhearsnaich ris, a chionn 's gun robh e gun trioblaid, 's gun do thuit a chrann- chuir ann an ionadan aoibhneach ; ach nach ann mu thimchioll-san a tha leremiah ag radh Bha suaimhneas aig Moab o 'oige, agus shoc- ruich e air a dheasgainibh, agus cha do tharr- uingeadh a mach o shoitheach gu soitheach e, ni mo dh'imich e ann an braighdeanas ; air an aobhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d'atharr- aicheadh 'fhaile. Tha an Salmadair ag iomradh air an fhirinn cheudna 'nuair a tha e 'g radh:

Is air an aobhar fos nach 'eil Caochladh air^ith 'nan staid, Eagal an Tighearna uime sin Do thilg iad dhiubh air fad.

Nach faod e 'bhi gur h-e 'n caoimhneas 'bu mhotha a b' urrainn Dia a nochdadh dhuinn ^ar smachdachadh ! 'S iomadh uair a tha ain- glean neamh a' tighinn gu dorsan dhaoine ann an cruth eagalach.

II. Tha trioblaid 'na meadhon air daoine a dhearbhadh. 'S iomadh duine do nach b'aithne e fhein gus an d' thainig smachdachadh 'na charamh. Fhad 's a tha cuisean a' dol gu maith leinn, 'sa tha ar laithean a ruith gu seimh, ciuin, faodaidh sinn a bhi gun moran eolais air ar cridheachan fhein, Saoilidh sinn gu bheil creid- imh againn, 'nuair is e 'n fhirinn, ma dh' fhaoite, nach 'eil creidimh againn idir. Ni an creidimh a fhuair sinn o ar n-athraichean feum dhuinn anns an latha mhaith, ach 'se 'n creidimh a fhuair sinn dhuinn fhein, a ni feum ann an latha na stoirme. 'Se 'n creidimh is fhiach greim fhaotainn air an creidimh sin a chumas suas sinn ann an am na h eiginn. 'Nuair a bhios an cudthrom air ar cridheachan, cha'n e gu de a thuirt Dia ri daoine eile— seadh eadhoin ri Maois, no ri Eoin, no ri Pol, a bheir dhuinn itiisneach aigus comhfhurtachd, ach gu de a thuirt Dia rui7in fhein. Ann an latha na trioblaid feum- aidh gach cridhe taichdeachadh air fhein, 's mar

a bheil dearbhachd aige ann fhein air gradh an Tighearn, cha'n fhoghainn dha gu de 'their daoine eile, no gu de a rinn Dia air an son. Tha smachdachadh, mata, 'na mheadhon air a bhi 'toirt dhaoine air falbh o chreidimh na cluaise, gu bhi 'tighinn ann an dluths ri Dia air an son fhein. 'Se latha mor e ann am beatha duine 'nuair is urrainn e 'radh Le eisdeachd na cluaise chuala tni thu, ach a nis chunnaic mo shiiii thu. Ma's e smachdachadh is meadhon air an t-sealladh sin a thoirt dhuinn nach e a th'anns an smachdachadh sin aingeal o Dhia.

Cumamaid mata greim air an fhirinn so, 's biodh i dhuinn 'na comhfhurtachd.

Ur-mhisneach glacaibh, 'naoimh gun treoir, Na neoil is duirch' tha Ikn De throcair chaoimh, is doirtear leo Oirbh maitheas mor gun dkil.

Na measaibh Dia tre shealladh mhain, Na 'ghras cuiribh 'ur dtiil ; Air cul an fhreasdail dhuirch' tha grkdh A' lasadh ghnath na 'ghnuis.

A riiintean abaicbidh gu luath,

'S iad fosgladh suas gun tkmh ;

'S ged robh a' ghucag searbh 's an uair

Bidh mils' is buaidh 's a' bhlath.

'S fhearr an cridhe a bhi air a bhristeadh, seach e 'bhilh cho cruaidh ri creig. 'S fhearr buillean an uird fhulang, seach a bhi gun snaitheadh. Co iad sin a ta air an sgeadachadh le trusganaibh fada geala, agus cia as a thainig iad ? Is iad so iadsan a thainig a h-amhghar miioir. Uime sin cha'n 'eil sinn a' fannachadh, arsa Pol, oir a ta ar n-amhghar eutrom, nach 'eil ach re sealain, ag oibreachadh dhuinne tromchudthrom gloire a ta ni's ro anabharraiche agus sior-mhaireannach. Cha 'n 'eil ar trioblaidean a tighinn h-ugainn gun fhios do Dhia. Cha tigeadh iad idir mar biodh feum orra. Cha'n 'eil e 'gar smachdachadh gun aobhar. Tha e 'ga dheanadh a chum ar leas, ionnus gu'm bitheamaid 'nar luchd comhpairt d'a naomhachd. 'Nuair thig an dorchadas, mata, gleidheamaid ar misneach 's ar n earbs' an Dia, 's biodh am facal sin dhuinn na lorg 's na thaic An ti ds ionmhuinn leis an Tighearna, smachdaichidh se e.

AN TIR IMMANUEL SHU AS.

O AM gu am, air reir mar a gheibh sin cothrom, tha sinn 'an duil a bhi 'toirt iomradh air cuid de laoidhean na h-Eaglais, 's gu sonruichte air na daoine a sgriobh iad, 's air an doigh anns an deachaidh an sgriobhadh. Anns an aireamh so tha sinn a' toiseachadh leis an laoidh sin a th'air a h-ainmeachadh air Samuel Rutherford, ged

15

mach esan a sgriobh i iiiir. Tha i air a tionn- ■dadh gu Gaidhlig le Mr. Iain Mac Ille-bhain.

Tha sruth mo r^ a' traghadh, Feuch, bristeadh-faire neimh ! A' mhadainn a bha 'm iantas Mo cheitein grianach, seimh ! Dubh, dovcha, ged bha'n oidhche, Tha'n soillse 'teachd na 'luaths, 'S tha gloir a' tamh gu sionuidh An tir Immanuel shuas.

'Se Criosd am fuaran saibhir, Sruth aoibheil, pailt, a' ghraidh ; Lan-beoil an t-saogh'l cia suarach Seach cuantan Tir an Aigh ! Mar mhuir gun traigh, gun traoghadh, Tha 'throcair chaomh 's a thruas, 'S tha gloir a' tamh gu siorruidh An tir Immanuel shuas.

Bha smachd is trocair dualte, Trouiih fhad mo chuairt 's an t-saogh'l, Is dealt mo bhroin 's mo thruaighe A' lasadh suas le 'ghaol ; Molaim an lamh 'rinn stiuradh, 'S an cridh' a thiir 's a ghluais, Trath bhios mi "m chathair-rioghail, An tir Immanuel shuas.

'S le Fear-mo-ghaoil gu saor mi, 'S leamsa Fear-mo-ghaoil ! Bheir e am bochd 's an diblidh D" a litchairt fiona 's faoil' ; 'S i airidheachd mo Shlkn'gheir M'aon steidh is feth mo luaidh s', Seadh anns a' ghloir 'bhios siorruidh An tir Immanuel shuas.

Bu chruaidh mo ghleachd gu flaitheas, Troimh ghaillinn 's stiith nan diil ; 'S a nis mar astrach saraicht', 'S a thaic air laimh 'fhir-iuil, 'K uair tha mo la air crionadh 'S am feasgar 'ciaradh nuas, Caomh-fhailt' do'n ghloir 'bhios siorruidh An tir Immanuel shuas.

Rugadh Samuel Rutherford ann an 1600, 's cliaochail e ann an 1661. Anns na bliadh- nachan sin bha Eaglais na h-Alba ann an staid thruagh. Ged a bha i air a h-ath-leasachadh ann an 1560, cha robh sith aice, 's cha robh i air a suidheachadh gu bunaiteach anns an tir gu cionn iomadh bliadhna na dheigh sin. Cha robh 'n Crim 's an Eaglais a' cordadh mu'n doigh riaghlaidh a bu choir a bhi anns an Eaglais. Bha cuid airson Riaghladh Easbuigeach, 's cuid eile airson Riaghladh Cleireach, 's bha 'n Eaglais air a riasladh le connspoid fad ioma latha. Sheas Rutherford gu daingean air taobh na Cieire 's a' Chumhnanta. Le 'pheann 's le 'fhacal rinn e seirbhis mhor air taobh a dhuthcha 's na h-eaglais. Dh' fhaodadh e bhi air a radh mu thiomchioll Air sgath Shioin cha bhi a'ni thosd, agus air sgath lerusaleim cha

ghabh mi fois ; gus am bris a fireantachd a mach mar sholus dealrach, agus a slainte mar leus lasrach.

Ann an 1627 shuidhicheadh a 'na mhinisteir ann an sgire Anwoth. Bha e dichiollach agus eudmhor 'na obair. B'abhaist dha e eiridh aig tri uairean 's a mhaduinn gu' leabhraichean. Thuirt h-aon d'a chomhthional fhein uime Tha e 'g urnuigh gun stad, a' leugliadh gun sfad, a' searmonachadh gun stad, a' sgriobhadh gun stad. Da bhliadhna 'n deigh dha dol do dh' Anwoth, sgriobh e gucaraid "Cha'n'eil mi'faicinn toradh mo shaothair. Bhithinn toilichte n'am biodh aon anam air a thoirt dhomh gu bhi 'na chriin aoibhneis ann an latha Chriosd." Fhuair e iarr- tus a chridhe ann an uine ghoirid, 's cha'n e aon duine, ach ceudan, aig an robh aobhar taingeal- eachd gun cuala iad Rutherford. Bha 'mhinistrealachd air a beannachadh gu mor le Dia, cha 'n ann a mhain d'a sgireachd fhein, ach do dh' Albainn gu leir. " Cha d'eisd mi ri sear- monaiche riamh," arsa duine a chuala e, "a dheanadh Criosd cho maiseach 's cho ionmhiann- aichte." Cha b'aithne do Rutherford cuspair eile ach sin Criosd. 'S esan a dh' fhaodadh a radh mar a thuirt Pol "Nar leigeadh Dia gu deanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearn losa Criosd." Ann an 1636 thugadh bhuaith an sgireachd, 's thugadh bhuaith mar an ceudna cead searmonachaidh. 'Se 'bu reusan dha sin, gun d' thug e oilbheum do'n Chrun le cuid d'a sgriobhaidhean. Dhiult e gnothuch a bhi aige ri gnaths 'us modhannan nan Easbuig, 's a chionn gun robh e cho laidir 'na bheachdan, agus car neo-mheassara 'na chainnt, agus a thuilleadh air a sin, a toirt diilain do'n lagh, chuireadh e do dh' Obaireadhain 'gu bhi air a chumail 's a bhaile sin fhad 'sa thoilicheas an righ.' Cha do chuireadh ann am priosan e, ach cha robh math dha am baile 'fhagail. "Gidheadh," ars' e fhein, "cha do threig mo Mhaighstir mi, fhuair mi an tuilleadh eolais air gradh Chriosd le ochd miosan deug priosain ann an Obaireadhain na fhuair mi le naoi bliadhna searmonachaidh." Ach bha 'chridhe anns a' chiibaid, 's nuair a thigeadh latha na Sabaid 'sa chuimhnicheadh e ajr na h-uairean sona a bh'aige fhein 's aig a choimhthional, bha e 'g radh gu robh farmaid aige ris na heoin bheaga a bha neadachadh ann an eaglais Anwoth. Bha e 'faireachduinn a' cheart ni a bh'ann an cridne 'n t-Salmadair, 'nuair a sheinn e :

Tha tart air m'anam 'n geall air Dia 'N Geall air an Dia ta beo O c'uin a thig 's a nochdar mi Am fianuis Dhia na gloir'l

Ann an Obaireadhain sgriobh e 'chuid a's motha de na ' Litrichean,' a tha 'curoaii ainme

16

beo. Tha mu thimchioll tri cheud gu leth dhiu ann air fad. Bha iad air an sgriobhadh gu ard 'us iosal air feadh na duthcha— 'gan comhair- leachadh, 'gam misneachadh, 'gan cronachadh, 'gan comhfliurtachadh ann an nithean spioradail. 'S docha nach robh duil sam bith aig Ruther- ford fhein gum biodh moran iomradh air a chuid litrichean ann an deigh a bhais. Ach tha na litrichean fhathast beo, 's nan Ion do dh'iom- adh cridhe, 'nuair nach 'eil iomradh air a' chbrr d'a obair, no air na sgriobhaidhean eile a choisinn cliu dha o ghinealach fhein. 'S maith an gille- sabhuil Tim. 'S cinnteach a chuireas esan dealachadh eadar an cruithneachd 's am moll. Cha'n 'eil an aon mheas aig a h-uile duine air lithrichean an diadhair so. Thuirt Baxter nach robh leabhar eile ann, a ghabhadh coimeas riu ach am Biobull, 's thuirt duine eile, nach leig sinn a leas ainmeachadh, nach robh annta ach 'amaideas agus gaoth.' 'S docha nach 'eil smior na tirinn aig a h-aon dhiu ach tha sinn cinnteach as a so, ma ghabhas 'ar luchd leugh- aidh 'ar comhairle, 's litrichean Rutherford a leughadh air an son fhein^nach bi athreachas orra. Cha leig duine leas a ghabhail ach na fhreagras air.

Ann an 1639 chuireadh Rutherford air leth gu bhi na fhear teagaisg ann an Oil-Thigh Chill- Ribhinn, agus ceithir bliadhna na dheigh sin, bha e ann am measg nan diadhairean a choinnich ann an Westminster 's a chuir ri cheile Leabhar Aidmheil a' chreidimh, agus Leabhar aitlighearra naii ceist Shearmonaich e air beulaobh Tigh na Parlamaid, 's fhad 's bha e ann an Lunnainn bha e 'labhairt 's a sgriobhadh gun tamh, gun fhois. Ann am fear de na leabh- raichean a sgriobh e, thug e oilbheum do'n luchd riaghlaidh leis an doigh anns an do labh- air e mu chbraichean a' Chriiin. Dh'orduicheadh an leabhar a bhi air a losgadh, mar leabhar a bha cur ann an suarachas lagh na rioghachd, 's ughdaras an Righ, 's ghairmeadh Rutherford air beulaobh na Parlamaid gu bhi freagairt air- son a cheannairceas. Ach bha 'chrioch dluth, bha " sruth a re a' traghadh," 's ann an uine ghoirid bha e gu seasamh 'am fianuis Caithir a b'airde. 'Nuair a thainig a' bhinn 'ga ionnsuidh, bha e air leabaidh a bhais, 's 'se am fios a chuir e air ais 'Abraibh riutha gu'n d' fhuair mi gairm gu cuirt is airde na iadsan, 's ma'n tig an latha, gum bi mi far nach 'eil a bheag de righrean no de dhaoine mora. Chaochail e ann an 1661.

Bha e 'na dhuine diadhaidh, dileas ann an seirbhis Chriosd, a' giulan gach latha air a chridhe uallach na h-Eaglais ann an Albainn. Bha channchuir air a tilgeil ann an amanaibh dorcha, bruailleanach ; 's cha'n 'eil teagamh nach d' f hag sin a larach air a spiorad. Cha'n

'eil e furasda do'n duine 's fhearr a bhi fada air thoiseach air a linn. Cha'n 'eil e furasda dhaibhsan a dh'fheumas cothachadh air son a chreidimh, a bhi cho ciuin, 's cho ioriosal, 's cho siochail, 's cho reusanta, liusan nach leig a leas pairt a ghabhail anns an stri. 'S docha gun d' thubhairt, 's gun do rinn Samuel Rutherford iomadh ni, ann an teas a' chatha, nach robh air reir lagh a'ghraidh ; ach is ann a chionn 's gun robh e cho durachdach ann an aobhar an t-sois- geil, a ghabh e pairt anns a'chath idir, 's 'se an duais is lugha a bu choir dhuinn a thoirt dha, na nithean sin a dhichuimhneach, 's a chuid is fhearr dheth a chumail air chuimhne 'fhaling- ean a thiodlacadh agus a mhailheas a chuimh- neachadh Cha diomhanas beatha 'n duine sin a dh'f hagas dileab aig an t-saoghal, mar a dh'fhag Rutherford anns na Litrichean. Faodaidh sinn a radh umpa mar a thuirt Iain Bi/nyan mu leabhar eile gu bheil iad freagarach airson cridhe leonte. Chaidh e troimh mhoran trioblaid 'na theaglach fein, 's tha e labhaiit air nithean a dhearbh e. 'S e am facal mu dheireadh a labhair e air thalamh Tha gloir, gloir ann an tir Lnunanuel shuas. Rinn Mrs. A R. Cousin bean ministeir Eaglais Shaor, ann am Melrose, laoidh mar chumhneachan air Rutherford ; 's tha h-uile rann a criochnachadh leis na facail sin a thuirt e fhein air leabaidh a bhais. Cha 'n eil ann an leabhar laoidh na h-Eaglais ach sia rannan, ach tha naoi rannan deug anns an laoidh uile gu leir, 's cha mhor nach he a tha innte air fad, smaointean 'us facail a th' air an toirt as na Litrichean aige fhein. Cha b'urrainn i clach a b' fhearr a chuir 'na charn. Fhad 'sa sheinnearan laoidh, bithidh cuimhne air Samuel Rutherford.

AN T-OL.

Tha fada barrachd dhrongairean anns an duth- aich so na 'tha innte de shaighdearan, 's cha luaithe bhasaicheas drongair na tha fear tha eile deas gu 'aite 'ghabhail. Mharbh an t-ol tuill- eadh dhaoine na chaidh riamh a mharbhadhann an cogadh. Cha dad a' bhreac lamh ris an 61. Tha 'n drongair 'na dhuine gun fheum dha fhein, 's d'a 'theaghlach, 's do Dhia.

Co dhiu a tha sinn fhein trocaireach 'no nach 'eil, 's maith leinn duine trocaireach a bhi anns a' choimhearsnachd.

Co dhiu a tha sinn fhein ciuin 's no nach 'eil, 's maith leinn ar gnothuch a dheanadh ri daoine ciuin.

Co dhiu a tha duine firinneach e fhein, 's no nach 'eil, 's rnaith leis seirbhiseach firinneach fhaotainn.

Air. S.

1907.

AN lOBAIRT THAITNEACH.

Is tad iobairtean Dhe spiorad briste : air cridke

brisit agiis bri/ite, a Dke, cha dean thusa tair.

Salm ^i, ly.

Co de na sailm is fhearr leibh, arsa caraid ri Luther. 'Se na sailm is fhearr learn, fhreagair esan, sailm Phoil. Co ris an abair sibh suilm Phbil? Tha, ars' esan, na sailm sin 32, 51,

i3°> 143-

Anns na sailm sin tha sinn a' cluinntinn glaodh o'n doimhneachd. Ma bha duine riamh anns an doimhneachd, bha 'n duine a sgriobh an t-salm so. Cha'n 'ail e a' labhairt air ni nach b' aithne dha. Tha h-uile facal a' tighinn o 'chridhe. Dh' f hiosraich e 'na bheatha fhein an ni air a bheil e a' labhairt. B' aithne dha gu de 'bu chiall do pheacadh, 's do chionnta ; 's tha 'chridhe air a lionadh le aithreachas ann an lathair Dhe. Fhuair an t-salm so greim air cridhe 'n t-saoghail a chionn gu bheil i ag cur ann an cainnt faireachduinnean is aithne dhuinn uile. Tha i 'na h-urnuigh a tha freagarrach do na h-uile. Ged a chaidh a sgriobhadh o chionn c6rr agus da mhile bliadhna, tha i chour 's cho beo an diugh 's a bha i riamh. 'S an diugh fliathast 'nuair a thig duine gu caithir na trocair, gu de is urrainn dha a radh ach briathran an t-salmadair a ghabhail air a bhilean fhein : Dean tr5cair orm, a Dhe, a reir do chaoimhneis graidh ; a reir lionmhoireachd do chaomh throc- airean, dubh as m' eusaontas. A'd 'aghaidh, a'd 'aghaidh-sa pheacaich mi agus rinn mi olc a'd shealladb. Cruthaich annam cridhe glan. Agus gu de is urrainn misneach a thoirt dha, an urnuigh sin a labhairt, ach nach dean Dia tair air spiorad briste agus bruite ?

Far a bheil bron airson peacaidh bheir Dia maiiheafias. 'Nuair a tha an urnuigh a' tighinn o'n chridhe Dean trocair ormsa a tha peacach eisdidh agus freagraidh Dia i. Ach 's e peacadh a th'ann, a bhi 'cleachdadh na h-urnuigh sin gun suim againn gu de a tha i a' ciallachadh. 'S iomadh duine a dh' fhaodas na facail sin a labh- airt, 's gun faireachduinn sam bith aige air a pheacadh fhein, no gun bhron, gun naire a bhi aige air a shon. Cha 'n 'eil urnuigh an duine sin ag eirigh ni's airde na muUach a chinn. Cha leighis gras Dhe ach an cridhe sin a tha cheana briste agus bruite. Mar a bheil ar peacanna 'nan uallach air ar coguis fhein, 's mar a bheil iad 'nan dragh 's 'nan naire dhuinn, 's mar a

bheil iad a' lionadh ar cridheachan le bron diadhaidh, cha 'n 'eil ann ach amaideas, seadh ladarnas, duil a bhi againn gun toir Dia maith- eanas. Cha tog Esan an t-uallach far duine nach 'eil a' faireachduinn an uallaich. Gu de am feum a bhiodh ann dhuinn maitheanas fhaotainn o Dhia airson pheacanna nach 'eil a' cur dragh sam bith oirnnn, 's nach do dhuisg annain riamh bron no aithreachas ! Cha'n 'eil maitheanas aig Dia do'n chionntach sin nach d' fhairich a chionnta, 's cha 'n 'eil iobairt eile a bheir h-ugainn a bheannachd-san ach an cridhe briste agus bruite.

'Se is ciall ddn chridhe bhriste agus bhruite, gu bheil a pheacadh fhein air a dhearbhadh air duine leis an Spiorad Naomh. Cha'n aithne dhuinn gu de e peacadh gus a bheil eolas againn air, mar ni a tha fior mu'r tiomchioU fein. As eugmhais sin cha 'n 'eil ann dhuinn ach facal agus fuaim. Tha Iain Bunyan ag innseadh dhuinn gun robh e aig aon am a' saoilsinn nach robh duine eile ann an Sasunn a b'fhearr na esan ; ach 'nuair a bha 'choguis air a dusgadh dh' atharraich e a chainnt, 's tha e ag radh gur h-ann aige-san a bha 'n cridhe a bu mhiosa air an t-saoghal, gu robh eadhoin cridhe dubh ludais glan agus gealann an coimeas ri 'chridhe- san, a bha cho Ian de thruaillidheachd, 's de mhi-naomhachd 's gun robh e 'na chuis-eagail, 's na chuis-naire dha gach latha. 'Nuair a tha ar cridheachan air an teagasg leis an spiorad naomh, cha'n 'eil cainnt eile is urrainn sinn a chleachd- adh ach cainnt Bhunyan agus Luther agus Ph6il. Am peacach is iniosa 's aithne do dhuine air thalamh 'se e fhein. 'Nuair a leughas duine neo-spioradail litrichean PHOIL, agus sailm DHAIBHIDH, agus sgriobhaidhean nan naomh, 's a chi e cuid de na nithean a tha iad ag radh umpa fhein, 's ddcha gun abair e— Tha na daoine sin, an dara cuid, ag innseadh nam breug, no bha iad seachd uairean ni's miosa na mi fhein. Cha'n 'eil iad ag innseadh nam breug, ach b' aithne dhaibh an cridheachan fhein mar nach aithne dhuinne ar cridheachan fhein. Ghabh iad a' choinneal 'nan laimh, 's chaidh iad sios do sheomraichean diomhair agus dorcha a' chridhe, far a bheil na creatairean grannda a' snaigeadh, 's bha iad cho onarach 's cho nibr ann an da-rireadh, 's gun d' innis iad dhuinne gu de a chunnaic iad. An do ghabh sinne a' choinneal riamh 'nar laimh 's an deach- . aidh sinn sios do na h-aitean uaigneach sin ? 'Se gle bheag dhaoine a tha 'deanadh sin. Tha prabadh de dh' eolas againn air gach ni fo'n.

18

ni's tuotha. Tha gu siorruidheachd

ghr^in ach air ar cridheachan fhein. Tha ar cridhe na dhiomhaireachd dhuinn, 's cha do ghabh sinn dragh gu bhi faotainn a mach gu de an t-olc a th'ann. 'Nuair a ni sinn sin, cha chuir e ioghnadhoirnn gun labhradh Daibhidh is Augustine is Bunyan mar a rinn iad. Labh- raidh sinn fhein air a' cheart doigh 's cha bhi urnuigh eile is urrainn sinn a ghabhail air ar bilean ach Dean trocair orm a reir do chaoimh- neis. Far a bheil eolas air peacadh, tha 'n cridhe briste agus bruite ; 's far a bheil an cridhe bruite, tha 'n iorioslachd ann an lathair Dhe.

T/ia Tigheani cC gabhail tlachd ann a bhi kigheas an spioraid leonte. Tha 'n fhirinn sin air a sgriobhadh air gach duilleig de'n Bhiobull. An duine nach d' fhuair sinn anns an Tiomnadh Nuadh, cha d' fhuair e dad. Tha ar peacanna mor ach tha Trocair Dhe 'throcair o shiorruidheachd orrasan da'n eagal e.

Dh' ionnsuidh 'n tearmunn so ma theid mi, 'N diult e m' iarrtas gear ? "O cha diult trath mhaireas talamh, Cuan is speur."

An duine is miosa air an talamh, ma leagas e air altair Dhe an iobairt sin cridhe briste agus bruite— gabhaidh Dia rithe agus abraidh E: Imich ann an sith, tha do pheacadh air a mhaith- eadh. Cha'n 'eil e fhathast ro anmoch. Ged a dh' fhaodas an uair sin tighinn. Cha'n 'eil maide sam bith cho cam 's nach dean Esan rudeigin dheth ma chuirear 'na laimh e. Cha 'n urrainn Dia fhein dad a dheanadh airson an anma sin aig nach 'eil feum no iarraidh air trocair. Ach an t-aiiam sin, d'a bheil a pheac- adh fhein 'na uallach, 's 'na charraid, 's 'na naire 's 'na chuis-brbin, gabhadh e misneach as na briathran sin 's biodh iad dha 'nan acair Is iad iobairtean Dhe spiorad briste ; air cridhe briste agus bmite, a Dhe, cha dean thusa fair. Beann- aich an Tighearn, O m' anam. 'S e mhaitheas dhuit do pheacanna gu leir, a shlanuicheas t-euslaintean uile : a shaoras do bheatha o sgrios, a chrunas tu le caoimhneas-graidh agus caomh- throcairean.

AM FASGADH.

'Se ar barail nach 'eil laoidh eile a tha air a seinn cho bitheanta 's na h-eaglaisean ris an laoidh so. Tha sinn 'ga cur sios mar a tha i air a tionndadh gu Gaidhlig le Mr. Iain Mac Ille-bhain, anns an leabhar sin, Laoidhean AGUS Dain Spioradail.

'Chreag a sgoilteadh air mo sgJith, Bi ad fhasgadh dhomh 's ad sta ! Anns an uisge 's anns an fhuil 'Thaom o leon do chleibh mar thuil, lonnlaid nam gach peacadh 's truaigh ; Saor o chionnt' an uilc 's o 'bhuaidh.

Chan e gniomh mo lamh, gu beachd, 'Fhreagras iarrtais theann do reachd ; Eud gun sgios is saothair chruaidh Deoir, ged chlaisinn leo mo ghruaidh, 'N eirig m' uilc cha diongadh sion ; 'S Tusa mhEiin bheir slaint' is dion.

Falamh tha mi 'teachd 's gun tr&oir ; M' uile dhbigh tha 'd iobairt mhoir ; Deonaich comhdachadh do m' nochd, Gr^s do m' laigsmn is do m' lochd ; Nebghlan, ruigeam d' fhuaran gr^is, lonnlaid mi, no's dan domh 'm bks.

Feadh a mhaireas plosg mo chre, 'S trail bhios mi, aig crich mo re, 'Triall an turais-aineoil mhoir Thun do Mhoid gu h-ard an Glbir 'Chreag a sgoilteadh air mo sgath, Bi ad fhasgadh dhomh 's ad st^ !

Tha gach ni againn anns na rannan sin a bu choir a bhi ann an laoidh ; 's mur a bitheadh, cha 'n fhaigheadh i an greim a fhuair i air cridh- eachan dhaoine. 'S iomadh duine a tha 'na dheagh bhard nach urrainn laoidh a dheanadh, 's cha mhor nach faod sinn a radh gur h-ann gle ainneamh a tha na laoidhean a's fhearr bardachd a' faotainn greim mor air cridhe na h-Eaglais. 'Se is reusan dha sin, nach 'eil na laoidhean "a' labhairt ris an inntinn, ach ris a' chridhe. Air cho snasmhor 'sa tha rannan mar bhardachd, 's air cho fior 's a tha na smaointean, 's air cho soillseach 's a tha iad do'n tuigse mar a bheil iad a' gluasad a' chridhe, cha laoidh iad. 'S docha nach 'eil snasmhorachd cainnte, no doimh- neachd smaointean anns an laoidh so, ach tha i 'cur ann am briathran simplidh an fhaireachd- uinn spioradail sin ati taic a tha 'n t-anam a' leigeil air Criosd 's a chionn gu bheil i a' labh- airt mu fhiosrachadh a tha cumanta do dhaoine uile fhuair i aite anns an eaglais nach 'eil e coltach gun caill i. Rannan sam bith a ghabhas seinn ann an aoradh na h-Eaglais air latha comanachaidh cha leigear a leas a bhi faoigh- neachd a' chorra. 'Se sin fior laoidh. An t-Sabaid chomanachaidh sin air nach cluinn sinn ^Chreag a sgoilteadh air mo sgath tha sinn ag ionndrainn ni air chor-eigin. Cha 'n'eil fhios againn air faireachduinn ar luchd-leughaidh, ach CO dhiu, 'se sin ar faireachduinn fhein.

B'e ughdair na laoidhe so Augustus Top- lady. 'S d6cha nach 'eil duine 's a cheud de na tha 'seinn na laoidhe, a chuala riamh iomradh air an ughdair. 'S a dh' innseadh na firinn, tha 'n laoidh moran ni's motha no'n duine fhein.

19

Tha cuid de dhaoine ann, 's tha iad fein fada, fada ni's motha na rud sam bith a rinn iad riamh ; ach tha cuid eile ann 's tha obair an laimhe ni's motha na iad fhein. B'ann dhiu sin Toplady Rugadh e ann an 1740. Tha e fhein ag innseadh gun robh e air iompachadh 'na shia bliadhna deug, 's gur h-e 'bu niheadhon air sin, searmon a chuala e ann an sabhal ann an Eirinn. Shuidh- icheadh e 'na mhinisteir ann an ceann a deas Shasuinn ann an 1768, 's chaochail e ann an 1778 Cha robh deisciobul riamh aig Calvin a b' eudmhoire air son a theagaisg na Toplady. Chuir e cudthrom anabarrach air '■'■obair an iaghaidh." Aig an am sin bha Iain Wesley a' dol mu'n cuairt Shasuinn, a' searmonachadh soisgeul farsuinn, ag innseadh do dhaoine mu shaor ghras Dhe. Bha Toplady cumhann 'na bheachdan, 's chuir e uamhas air gum bitheadh duine mar a bha Wesley a' deanadh slighe na slainnte cho farsuinn. Thoisich a' chonnspoid, 's b'e sin a' chonnspoid. Ghabh Toplady an fhearg, 's cha robh ni a bu mhiosa na cheile nach do thilg e air an fhear eile. Ach cha leig sinn a leas a bhi 'toirt an tuilleadh iomraidh air a sin 'nuair a thoisicheas an trod 's an iorghuill- falbhaidh spiorad na diadhachd 's na firinn. 'S e gle bheagan dhaoine a tha cho naomh, 's cho ciuin 's gur h-urrainn dhaibh dol ann an conn- spoid gun chron da'm beatha spioradail fhein. Cha b'ann dhiu sin Toplady. Shalaich e a bheul, 's shalaich e anam leis na labhair 's na sgriobh e an aghaidh Wesley, 's an aghaidh na muinntir sin nach robh a' toirt a leithid de dh' aite do dh' obair an taghaidh 's a bha e fhein. Thuirt Wesley fhein uair-eigin : Coma leant beachdan duine, tha -mi seachd sgith de bhruidhinn mu bheachdan ; faodaidh duine dol do neamh gun bheachdan ach cha teid duine sam bith do neamh gun ghradh. Fagamaid a' chuis mar sin ; 's fhada o cheile a bha 'n dithis sin, Wesley agus Toplady, 'nam beachdan ; ach tha sinn 'an dochas gu bheil iad a nis dluth d'a cheile ann an gradh.

Ged a tha e duilich a chreidsinn biia 'n laoidh so air a sgriobhadh ann an aghaidh beachdan Wesley, ged nach leir dhuinne ni sam bith innte ris nach cuireadh Wesley aonnta, Cha bhuin i do mhuinntir an taghaidh no do mhuinn- tir an t-saor ghrais, ach buinnidh i do na h-uile. Tha i a' cur ann an cainnt, faireachduinn a tha cuman- ta araon do Chalvinists 's do dh' Arminians; 's cha'n 'eil cridhe nach fhaod na briathran so a ghabhail mar a chainnt fhein. Tha i 'na laoidh Chriosduidh, freagarrach do na h-uile, 's cluinn- •ear i ann an eaglaisean Cleireach, ann an Eaglaisean Easbuigeach 's anns an Eaglais mhor sin a chuir Wesley air a cois, 's anns na h- Eaglaisean Prostanach gu leir. Faodaidh Papanach is Prostanach breith air an leabhar le

cheile, 's an laoidh aig Toplady a sheinn. 'S docha na'n robh 'cheist air a' cur ri Toplady e fhein, gu de 'chuid de dh' obair a bheatha a bu bhuanachdaile do'n Eaglais, 's do'n t-saoghal, gun abradh e gur h-e 'chomstri a rinn e air son na Firinn na searmoin a shearmonaich e, 's na leabhraichean a sgriobh e 'an aghaidh teagasg Wesley. 'S docha nach cuireadh e cudthrom sam bith air an laoidh so, a sgriobh e ann am beagan mhionaidean. Ach 'si an laoidh so a tha 'cumail ainme air chuimhne, 'nuair a tha a shearmoin 's a sgriobhaichean air an dichuimh- neachadh. Gle bhitheanta cuiridh Dia air thoiseach an ni a chuireas duine e fhein air dheireadh, 's nach faod sinn a radh gun do chuir Dia Toplady do'n t-saoghal, cha'n ann gu bhi 'deanadh connspoid mu obair an taghaidh, ach a chum 's gun sgriobhadh e na rannan sin ' Chreag a sgoilteadh air mo sgaih. Nach iomadh mile anam d'an tug an laoidh sin togail cridhe, nach cuala iomradh riamh air an ughdair, 's nach faod sinn a radh mu Augustus Toplady ged a tha e marbh, gu bheil e fhathast a' labhairt.

CURAM NA CLOINNE.

Tha facal anns an Talmud ag radh gun do thuit Jerusalem a chionn gun do rinn i dearmad air teagasg na cloinne. Tha cunnart m6r ann do dh' Eaglais sam bith nach toir geill do'n aithne sin Beathaich m' uain. 'N uair a tha clann air an toirt a stigh do'n Eaglais, ann an Sacramaid a' Bhaistidh ; cha 'n e mhain gu bheil boidean air an cur air na parantan, 'an togail ann an eolas na firinn, ach tha'n Eaglais i fhein ag aideachadh gu bheil e mar fhiachaibh oirre-se curam a ghabhail do'n chloinn.

Tha sinn 'an diiil nach urrainn comhthion- ailean obair sam bith a ghabhail os laimh, a bhitheas cho tarbhach ris an obair a th'air a deanadh airson na h-oigridh. Nach faod sinn a radh, gu bheil cridheachan na cloinne coltach ris an fhearann mhaith sin, air an d' thug an Slanuighear iomradh anns a' chosmhalachd, agus a thug toradh a mach, cuid a cheud uiread, 's cuid a thri fichead uiread 's a chuireadh ! 'S mor an ni, an siol a chuir fhad 's a tha 'm fearann glan. Gheibh e cothrom fas. Tha cridheachan na cloinne 'na fhearann glan. 'Se paisdean an latha diugh, fir 'us mnathan an latha maireach ; 's cha leig sinn a leas fiughair a bhi againn ri nithean mora o'n latha maireach, mar h-'eil sinn ag ullachadh na cloinne air a shon sin.

I. Bu choir do pharantan an clann a thoirt do'n eaglais cho trath 's is urrain?i dhaibh. Bha sinn ann an eaglais o chionn ghoirid, 's chuir e

20

ioghnadh mor oirnn, nach robh duine an taobh a stigh de na ballachan a b'oige na fichead bliadlina. Cha robh e 'na chomharra maith idir. Ma dh' fhaoidte gu bheil moran pharantan a' smaointinn, nach bu toigh leis a' mhinisteir no leis a' chomhthional, clann 'fhaicinn anns an eaglais, air eagal gum biodh iad 'nan dragh no gun toisicheadh iad air caoineadh. Na cuireadh sin curam orra. Faodaidh gu bheil ministear crosda no foirfeach crosda an sid 's an so, a bhiodh diumbach. Ach tha 'chuid mhor de mhinistearan 's de chomthionalan ni's reusanta 's ni 's faighidinniche na sin ; 's cha 'n ann diumbach ach anabarach toilichte a bhitheas iad, a' faicinn na cloinne a' tighinn do'n eaglais, ged nach biodh annta ach leanaban 'an uchd am mathar. Is taitneach an ni e, an teaghlach uile 'fhaicinn anns an aon aite suidhe sean 'us 6g, beag 'us mor mar tha iad ann. Tha sinn 'an duil cuideachd, gum faodadh an t-seirbhis an drasd 'sa rithist, a bhi air a deanadh airson na cloinne. Tha 'n corr de 'n chomthional a faot- ainn uiread sheirbheisean, 's nach biodh reusan gearain aca, ged a dheanadh am ministear, an drasd 'sa rithist, an t-seirbhis uile airson na cloinne Dh' fheuch sinn fhein an doigh sin, 's tha sinn gle thoilichte gun d' fheuch. Tha e a' toirt toil-inntinn do'n chloinn, fhios a bhi aca gu bheilear a' gabhail suim dhiu, 's cha bhi iadsan air dheireadh a' dol do'n eaglais air sabaid na seirbhis aca fhein. 'Sa radh na firinn, tha 'n corr de'n chomhthional, 's gu sonruichte na parantan cho toigheach air 'latha na cloinne', 'sa tha iad air seirbhis sam bith eile.

II. Bii choir don chomhthional uile a' sgoil- Shahaid a chuideachadh, Cha 'n'eil cuisean ceart mar a bheil iad a' deanadh sin. lomadh uair tha e duilich do'n mhinisteir luchd-teagaisg fhaotainn, ged a tha gu leor anns a' chomthional aig an rachadh air an obair a dheanadh. Far a' bheil moran cloinne, cha 'n urrainn duine no dithis a' sgoil a ghiulan air a h-aghaidh mar bu choir. Ach nach trie a tha sinn a' faicinn, gu bheil an t-uallach air fhagail air h-aon no dha de'n chomthional ! 'S a Ihuilleadh air sin, leigear leo an obair a dheanadh, bliadhna an deigh bliadhna, gun uiread is taing fhaotainn air a shon. Cha 'n e a's reusan dha sin gu bheil daoine caoin-shuarach no neo-reusanta, ach nach 'eil iad a' smuaineachadh air a' chuis. Nam bitheadh, chitheadh iad 'sa mhionaid nach 'eil e ceart. Fhad 'sa tha sinn a' labhairt air a so, cha'n urrainn sinn gun iomradh a thoirt air an t-seirbhis a tha boirionnaich na h-Eaglais a' deanadh anns na sgoilean Sabaid. Mar a b'e an cuideachadh a tha iadsan a' deanadh, 's iomadh sgireachd anns am faodadh a' sgoil- Shabaid a bhi air a dunadh. 'S fhiach iad, da rireadh, moladh air son an dilseachd. Ach

nach bu choir do na gillean oga an eiseimpleir a leantuinn. Bhiodh e 'na bhuanachd dhaibh fhein, 's do dh' aobhar Chriosd annsan duthaich. Cha'n aithne dhuinn doigh eile anns am b'fhearr dhaibh feasgar sabaid a chuir seachad, na bhi 'teagasg na clomne. 'Se sin obair air a' bheil beannachd Dhe gu cinnteach. 'S iomadh duine air nach cual an saoghal riamh iomradh, a bha. 'na mheadhon air obair mhor a dheanadh anns an sgoil-Shabaid. Dh' fhaoidhte a radh mu thimchioll, gun eiridh a' chlann agus gum beann- aich iad e. Tha toradh a shaothair ri fhaicinn 'nuair tha 'chnamhan fhein 's an uir. Na dich- iiijuicliihh an sooilShabaid.

AN TOMHAS CEART.

Tha iomadh duine toilichte gu leoir le 'airde- fhein a chionn nach do thomhais e fhein ri tomhas ceart. Thug a' Pharasach taing do Dhia, nach robh esan coltach ri daoine eile. B'e an t-slat-thomhais a bh'aig an Pharasach cis mhaor.. 'Se a thuirt Peadar Iraich uamsa, a Thighearn, oir is duine peacach mi. B'e an t-slat-thomhais a bh'aig Peadar Criosd. 'S ann 'nuair a thomh- seas sinn sinn fhein ri Criosd, a thuigeas sinn gu de ar n-airde. Tomhais thu fhein ri duine eile 's ma dh' fhaoite gum bi moit ort, ach tomhais thu fhein ri Chriosd, 's bithidh naire ort. Ri- thaobh-san tha 'n t-aon is motha againn beag ; an t-aon is gloine, salach ; 's an t-aon is ghee, 'na leanabh.

Bha caraid dhomh uair-eigin a' searmon- achadh air a' cheann-teagaisg sin Thubhairt an t-amadan 'na chridhe cha'n 'eil Dia ann. Tha e coltach gu robh e gu maith trom air na h- amadain, 's gum d' thug e dhaibh gu searbh e. An deigh an t-searmoin, bha e fhein 'us bodach coir a' coiseachd dhachaidh comhia 's thuirt am bodach bha na thubhairt sibh, a mhinistear, anabarrach fior, ach air a shon sin, b' fhearr leam gun d' thubhairt sibh nach 'eil Dia a' call dochais eadhoin de na hamadain.

Cha robh riamh aithreachas orm airson nach do labhair mi moran ach 's iomadh uair a bha aithreachas orm gun d' thubhairt mi tuilleadh 'sa choir. Tha e moran nis fhasa ruith a leigeil leis an teangaidh, na tha e srian a chuir oirre.

'S iomadh duine a bha air a chunntas glic gus an d' fhosgail e a bheul 'S iomadh duine aig a' bheil coltas a' ghliocais air aodann, nach 'eil ann ach an dearg bhurraidh.

Air. 6.

1907.

AN T-URR. IAIN MAC RUAIRIDH NACH MAIREANN.

Cha'n 'eil fada bho 'n a thug sinn iomradh anns an leabhar so ar tinneas ministeir Shnisoirt, 's tha sinn duilich gu bheil againn a nis ri iomradh a thoirt air a bhas. Chaochail e 'na thigh fhein 's an Eilein Sgiathanach air an treas la fichead de dh' April.

Shuidhicheadh e 'na mhinisteir ann an sgir- eachd Hinipoil, ann an eilein Thiriodh ann an 1879, far an do shaothraich e seachd bliadhna, gus an do ghairmeadh e gu Snisort. Ann am measg nam ministearan Gaidhealach bha e air a chunntas 'na sgoileir maith, na mhinisteir dileas, 's 'na dhuine glic. Bithidh e air ionndrainn gu mor le 'sgireachd fhein, 's le cleir an Eilein Sgiathanaich. Gad a bha 'chrannchuir air a tilgeil ann an aite iomallach, cha robh bheag

san Eaglais a bu dilse 'na seirbhis na bha esan. A thuilleadh air obair na sgireachd aige fhein, bha e 'na fhear-deasachaidh air duilleagan Gaidhlig an leabhair so, c6rr agus fichead bliadhna. 'Nuair a b'eiginn dha sin a thoirt thairis anns an earrach, a chionn 's gun robh e ann an droch shlainte, thugadh dha taing na h-Eaglais air son na seirbhis a rinn e dhi le

pheann. 'S d6cha nach 'eil duine an diugh a lathair, a sgriobh uiread de Ghaidhlig ri Mhr. Mac Ruairidh. Cha robh stad a' dol air a pheann. 'S iomadh leabhar Beurla a thionn- daidh e gu Gaidhlig, 's bha iad uile air an dean- adh cho maith 's nach leigeadh duine eile a leas tilleadh riutha. Tha fior bhlas na Gaidhlig air a h-uiie facal a sgriobh e riamh.

Dh' f hag e banntrach agus ochdnar chloinne, 's cha'n 'eil duine d'am b'aithne e, nach 'eil a' caoidh maille ri theaghlach anns a' ohall a thainig orra. Bha cruinneachadh mbr sluaigh aig a thiodhlacadh, oir bu toigh leis an Eilein air fad e. Bha e 'na dhuine ciuin, iriosal, caoimhneil, gun a leithid de ni is mi-run 'na chridhe.

AN SPIORAD CEART.

Tha e /ii's beannaichte ni a thoirt na ghabhail. GnIOMHARA XX , 35.

Tha sinn gu nior ann an comain Phoil air son cuimhne a chumail air an fhacal sin. Cha'n 'eil na soisgeulaichean a' toirt iomradh air. 'S docha gun cuala Mata agus Peadar agus Eoin

am facal sin o bhilean Chriosd, ach ma chuala, dhi-chuimhnich iad e, no co dhiu, cha d' thainig iad thairis air a ris. Cha'n fhaca Pol an Slan- uighear riamh, 's cha chual e a theagasg ; ach bha e a' gluasad am measg dhaoine a chunnaic 's a chuala Criosd, 's aig an robh e 'na chleachd- adh a bhi 'g aithiis a bhriathran. Bha'n soisgeul ann am beul an t-sluaigh iomadh bliadhna ma'n deachaidh a sgriobhadh, 's o bheul-aithris na h-Eaglais fhuair Pol am facal sin Tha ems beannaichte ni a thoirt na gliabliail Ged nach robh fhios againn air, cha mhor nach faodamaid a bhi cinnteach gur h-e 'n Slanuighear a labhair am facal so. Tha e cho coltach ri gu de a theireadh E. Tha e cho coltach ris an ni a rinn E.

I. B'e so an spiorad anns an do clmir Criosi> seachad a blieatha fhein. Cha do theagaisg Esan dleasdanas sam bith, nach do rinn E fhein an toiseach. Le 'ghniomharan a cheart cho maith 's le 'bhriathran, dh' fhoillsich e dhuinne inntinn Dhe. Fhad 'sa bha E air thalamh bha e a' gabhail tlachd ann a bhi 'toirt seachad. Thuirt E fhein Cha d' thainig mac an duine chum gu'n deantadh fritliealadh dha, acli a dheanadh frith- ealaidli, agus a thabliairt 'anma fcin mar eiric air son nilioran. Thug E na bh'aige do dhaoine eile ; cha do ghleidh E dad dha fhein. Thug e a bheatha airson an t-saoghail. Thearuinn Esan daoine eile, ach cha tearnadh E e-fhein. 'S iomadh facal briagh a thuirt P61 mu Chriosd, ach cha d' thuirt e riamh facal is fhearr na so Is aithne dhuibh gras ar Tighearna losa Criosd, ged bha e saoibhir, gidheadh gitn d'rinneadh bochd e air b/iur sonsa, clium gum biodh sibhse saoibhir tre a blioclidainn-san. Nan cluinnte iomradh air aon de dhaoine mora an t-saoghail so, a bha cho iriosal 's gun do rinn e seirbhis d'a sheirbhisich fhein theireamaid gur h-e iogh- nadh a bh'ann, 's mholamaid an gniomh. Ach gun tigeadh Dia anns an fheoil gu bhi 'deanadh seirbhis airson nan creatuirean a chruithaich E 'se sin ioghnadh nan ioghnaidhean an ni sin ris an abradh Pol gras Dhe. Co an cridhe a smaointicheadh air ach cridhe Dhe? Chuir Criosd solus air an fhacal sin TJia e ni's beannaichte ni a thoirt na giiabhail le 'theachd, ach chuir E solus air gu sonruichte le 'bheatha. air thalamh. Bha a.nf/iein annsan air a ceusadh. Bha i air a marbhadh. Cha d' fhuair i riamh lamh an uachdar. Bha fhios aige o'n toiseach. ciamar a dh'eireadh; dha, ach ged a bha, cha do. chuir sin bacadh air 'obair. Cha b'ann air fhein

22

a bha E 'smaointinn ach air daoine eile. Cha'n 'eil sinn an duil gu bheil ni eile de na tha sinn a' leughadh mu laithean deireannach an t-Slan- uighear, is motha a tha dhuinn 'na aobhar smaointinn na so an doigh anns an do dhi-ch- uimhnich E a bhron 's a thrioblaid fhein, 's an do choisrig e na h-uairean mu dheireadh gu bhi 'toirt misneach 'us comhfhurtachd d'a chairdean. Cha 'n e sin doigh dhaoine ann am bitheantas. 'Nuair a thig trioblaid 'gar n-ionnsuidh fhein, cha 'n 'eil moran smaointinn againn air cor dhaoine eile. Ach ach b'e sin Dhasan. Ged a bha anam fhein bronach bha 'inntinn, cha'n ann air fliein, ach air na deisciobuil. B'e lagh a bheatha— a bhi toirt seachad. Dh' fhulaing Esan 'nar n-aite-ne. Dh' fhuathaich E 'bheatha a chionn gun do ghradbaich E sinn. Chaill E i air ar son-ne. Dhoirt E mach anam gu bas, a chionn 's gun robh an spiorad sin 'na chridhe Tha e ni's beannaichte a bhi 'toirt na bhi 'gabhail.

II. Air an doigh so a mhain gahhaidh sonas faotainn. Cha mhor dhaoine nach 'eil ag iarr- aidh sonais, ach tha a mhor-chuideachd de'n t-sluagh 'ga iarraidh air an doigh chearr. Cha'n fhaigh sinn sonas gu brath gus an gabh sinn doigh Chriosd. Tha Esan ag radh ruinn gur h-e 'n spiorad a bu choir a bhi 'riaghladh 'nar beatha spiorad neo-fheiiieil ; 's far am bi sin tha toiseach aoibhneis. Tha moran dhaoine ann 's cha neil aca latha 's a bhliadhna ach mi-fhein, mi-fhein thoir dhomh, thoir dhomh. Cha robh, 's cha bhi na daoine sin sona anns t-seadh is airde, 's cha mho is e spiorad Chriosd a tha riaghladh annta. Nach 'eil fhios againn gle mhaith gur h-e na laithean a bu shona da'r beatha, na laithean sin anns an deachaidh againn air comhnadh na caoimhneas air chor- eigin a dheanadh do dhaoine eile? Cha robh moran de lighichean spioradail anns an linn so a b'fhearr na Henry Drummond, 's tha esan ag radh gur h-e a' chungaidh a bh'aige ri thairgsinn dhaibhsan a bha 'gearan gun do chaill iad an aoibhneas 's an sonas iad a dhol a mach air na rathaidean mora, 's air na sraidean a dheanadh dhaoine eile aoibhneach agus sona. An ni a tha duine a' gleidheadh dha fhein, cha'n 'eil toil- inntinn ann ; ach an ni a th'air a roinn ri daoine eile tha e a' toirt beannachd 'na lorg. Cha'n e a tha sinn a' ciallachadh leis a so gun gabh sonas ceannacb airson punnd Sasunnach no dha 's an t-seachduin, no 's a bhliadhna. Cha'n 'eil an sin ach spiorad na malairt spiorad an t-saoghail. 'Setha sinn a' ciallachadh nach ruig duine air an t-sonas 's air an t-sith is airde, as eughmhais gu bheil SM fhein ann air a ceusadh, gu bheil a' cheart spiorad ann 's a bha ann an Criosd, 's gu bheil e a' toirt geill do dh' fhacal an Abstoil

Na seallaibh gach aon air na niihibh sin a bhtcineas da fein ach gach aon air na nithibh a bhtiineas do dhaoine eile mar an ceudna. B' abh- aist do Shamuel Rutherford ma's maith ar cuimhne a bhi 'g radh nach do rinn e riamh urnuigh air son caraid, gun Dia a thoirt dha rud- eigin air a shon fhein. Ann a bhi 'ga dhi-chumh- neachadh fhein fhuair e rud nach fhaigheadh e air atharrachadh doigh. Cha'n 'eil an saoghal a' creidsinn facal dhe so, ach 'se cuis is cruaidhe gu bheil moran de spiorad an t-saoghail anns an aon is fhearr againn. Cha'n 'eil annainn ach sgoilearan dona ann an sgoil Chriosd. Cha d' fhag sinn fhathast an aibideal. 'Nuair a smaoinlicheas sinn air cho toigheach 's a tha sinn air ar toil fhein fhaotainn, seach toil Dhe a leantail ; air cho beag againn 's a tha cor dhaoine eile, lamb ri ar socair 's ar comhfhurtachdan fhein ; 's air cho sgiobalta 's a gheibh sinn leth- sgeul gu bhi 'gabhail an aite a bhi 'toirt ; nach 'eil e gle shoilleir gu bheil feum againn suidhe sios aig casan Chriosd, feuch an seid e annainn spiorad is fhearr 's is airde, 's feuch am bi ar cridheachan fuar air am blathachadh leis a' ghradh a bha 'na chridhe-san. Far a' bheil an gradh, bidh an t-seirbhis. Far a' bheil an spiorad neo-fheineil, gheibh e rathad air e fhein a nochdadh.

Abradh an saoghal mar a thogras e, tha e ni's beannaichte a bhi 'toirt na gabhail.

lOSA 'THUG DO M' ANAM GRADH.

Tha sinn a' toirt aite anns an aireamh so do'n laoidh sin losa 'thug do m' anam gradh. Tha sinn 'ga cur sios mar a tha i air a tionndadh gu Gaidhlig leis an Urr. A. Mac Dhughaill anns an leabhar sin Laoidhean agus Dam SpioradaiL

losa 'thug do m' anam gradh, Gu d' uchd baigheil teicheam fein, 'N uair a dh' eireas tonnan ard', 'S doinionn laidir tigh'nn o'n speur. O m' Fhear-saoraidh, falaich mi Gus an te'id a' ghaillionn seach'; Skbhailte do chala sith, Gabh mi aig a' chrich a steach.

Didein eile cha'n 'eil ann, 'S tusa 's taic do m' anam truagh ; O na fag mi diblidh, fann, Ghnath bi fhein ga m' chumail suas. Annad tha mo dhochas teann, Tha mo chomhnadh uait gu leir ; O cuir falach air mo cheann, Steach fo dhubhar sg^il do sg^ith.

'S tusa mhain, a Chriosd, tha uam ; Gheibh mi uait gach uile ni ; Tog mi 'n aird is cum mi suas, Leighis agus treoraich mi.

23

'S ceart 's is naomha d' ainm gu br^th, 'S mise 'm peacach graineil, baoth ; Lan de thruaill'eachd tha mi ghnath, 'S tusa lan de ghras 'tha saor.

Agadsa tha pailteas grais,

Gr^s gu m' pheacadh ionnlaid uam ;

Eireadh sruithean beo an aird

Chum mo nadur 'dheanadh nuadh ;

'S tusa 'n Tobar beo, gu fior,

'Chaisgeas m' iotadli mhor gu saor,

'Chuireas sblas ann am chridh',

'S fad na siorruidheachd nach traoigh.

Bha an laoidh so air a sgriobhadh le Tearlach Wesley. Bha e latha 'na shuidhe ann an seomar, a' leughadh. Bha 'n uinneag fosgailte, 's air dha sealltuinn a niach, chunnaic e eun beag agus seobhag as a dheigh. Bha 'n cridhe gu leum as an eun leis an eagal, 's mu dheireadh, ""nuair nach robh doigh eile air dol as o'n t-seobhaig, chaidh e steach air an uinneig 's dh' fholaich e e fhein ann am broilleach Wesley. Dhuisg sin smaointean ann an cridhe a' mhinisteir. Chunnaic e gun robh e 'na ^hamhladh air an doigh anns a' bheil an t-anam a' teicheadh gu fasgadh ann an Criosd. Thainig an fhirinn dhachaidh gu 'chridhe, gu bheil feum aig an anam, coltach ris an eun bheag, air a bhi 'teicheadh o'n doinionn 's o'n chunnart a th' as a dheigh, gu cala sithe ; 's rinn e gairdeachas anns an fhacal sin Bithidh duine mar ionad fasgaidh o'n ghaoith, agus mar dhidein o'n duinmn ; mar shruthaibh iiisge ann an aite tioram, 's mar sgnile creige moire ann an tir airsneulaich. Gun dol a mach as a sheomar, sgriobh Tearlach Wesley an laoidh so

losa 'thug do m'anam gradh

Gu d'uchd baigheil teicheam fein,

laoidh a tha 'na comhfhurtachd do na miltean nach cuala riamh iomradh air an f hear a sgriobh i.

Cha do rugadh riamh anns an aon teaghlach <Jithis eile a bu bhuiliche a thug iad fhein do ^heirbhis diadhachd na Iain agus Tearlach AVesley. B' iadsan a chuir air a cois an eaglais mh6r sin ris an abrar Methodists. 'S e Iain a l)u chumachdaiche 'na latha fhein na Tearlach, 's is docha gur h-aithne do mhoran ainm-san nach cuala riamh iomradh air a bhrathair. Ach tha sinn 'an duil gu'm bi laoidhean Thearlaich beo 'nuair nach bi cuimhne air facal de na sgriobh Iain. Nan dithis rinn iad obair mhor -ann an Sasunn, 's tha 'n obair a' dol air a h-aghaidh an diugh fhathast. Cha robh anns an dusgadh a bha ann an Wales o chionn bliadhna no dha, ach dusgadh beag ann an coimeas ris a' ghluasad spioradail a bha ann an Sasunn anns an ochdamh linn deug, fo shear- monachadh nan Wesleys agus Whitefield.

Thuirt Dean Stanley uair-eigin mu thiom- chioll laoidhean an ughdair so, nach robh ann

am moran dhiu ach moll 'us luideagan. Cha b'e sin beachd Iain, a bhrathar. Ann an Roimh- radh leabhar-laoidh a chuir e 'mach, sgriobh e. " Chuir duine no dha an t-urram so ormsa 's air mo bhrathair na laoidhean againn a ghoid. 'Se lan di am beatha sin a dheanadh, ma chuireas iad sios iad ceart. Cha leig iad a leas feuchainn ri 'n deanadh ni's fhearr oir cha'n urrainn daibk." Dh'innseadh dha uair eile mu bhoirr- ionnach a thug paisgein beag do Gharrick 'nuair a bha e 'dol air bord luinge, 's a dh'iarr air gun fhosgladh gus am fagadh am bata an cladach. 'Nuair a dh' fhosgail e am paisgein, gu de 'bha 'na bhroinn ach laoidhean Wesley, 's nuair a chunnaic Garrick so, thilg e 'n leabhar uaithe, fad a laimhe, a mach air a' mhuir. 'Se thuirt Iain Wesley 'nuair a chual' e an naigheachd " Cha'n 'eil mi 'creidsinn diog dhi oir cha robh Garrick cho beag tuir. B' aithne dha Tearlach mo bhrathair gu maith 's bha meas mor aig air a bhardachd Tha e air a radh gun do sgriobh Tearlach Wesley sia mile gu leth laoidh ; 's ma tha sin fior, cha leigeadh Iain a leas athadh sam bith a ghabh- ail ged a theirte ris, nach robh cuid dhiu cho mhaith ri each. Bha 'n ceol anns an teaghlach. Cha robh duine riamh ann, tha sinn 'an duil, d'a robh e ni b' f hasa laoidh a dheanadh no do Thearlach Wesley ; 's ged a tha 'chuid mhor de na rinn e cheana air di-chuimhne, bithidh feadhainn eile dhiu beo gu brath, 's nam measg sin tha

losa 'thug do m' anam gradh

Gu d' uchd bkigheil teicheam fein.

AN AOIS.

Chuala mi duine fiosrach ag radh gur a h-iomadh uair a chuir e ioghnadh air, nach 'eil facal ann an litreachas nan Gaidheal, a' moladh na h-Aoise. Cha do smaointich mi fhein riamh air an rud, gus an do tharruing esan m' aire uige. Ach 'nuair a cheasnuich mi mo chuimhne, cha b' urrainn mi rann fhaotainn, a' moladh na h-Aoise, ged a bha e furasda gu leoir rannan fhaotainn 'ga di-moladh. Tha mi 'n duil gur h-e Iain MacCodrum a thuirt :

Mar a sgaoileas an ceo air aodann an fheoir,

'S a chaochaileas neoil 's na speuran,

Tha'n aois a' teachd oirnn, cumhach, caointeach,

lan broin, 'S neo shocrach ri leon an te ud.

Mar a robh a' bheag de mheas aig na Gaidheil air an Aois, 's docha nach robh iad ach coltach ri 'n coimhearsnaich. Ma tha na baird Ghaidh-

24

ealach a' nioladh na h-Oige, 's a di-moladh na h-Aoise, tha baird dhiitchannan eile a' deanadh a' cheart ni. 'S ciod air bith a their na baird, rinn a' chuid nihbr de shluagh an t-saoghail suas an inntinn, gur h-e laithean na h-Oige am is sona de bheatha duine. Cha leig sinn a leas dear- bhadh is fhearr fhaotainn air a sin, na'n stri chruaidh a tha daoine a' deanadh, gu iad fhein a chumail 5gail. A' cheud roinneig hath a chi iad 'nan ceann cuiridh i mulad orra. Cha toigh le daoine a bhi 'creidsinn ga bheil iad a' fas sean. Ach air a shon sin uile, cha'n'eil reusan sam bith an aois a bhi 'na cuis-eagail. 'Na aite sin tha feasgar beatha duine, gle bhith- eanta, ni's sona, 's ni's aoibhniche 'na mhadainn, Na daoine 'ris am bu mhotha a bha farmad agam riamh b'e seann daoine a bh' annta. Ach bha iad 6g 'nan cridhe, 's bha leithid de chiuine, 's do ghhocas, 's do chaomhalachd- annta, 's nach iarrainn ach a bhi dluth dhaibh. Their daoine Is maiseach an ni seann duine is urramach an ni ceann liath. Seadh, ma tha e glic. 'N uair a tha 'n Aois a' toirt leatha ghocas agus maitheas, tha i da-rireadh 'na criin gloire, ach 'nuair nach 'eil i a' deanadh sin, 's airidh i air gach caineadh a rinn na baird oirre Seann duine hath a tha ag abachadh ann an gliocas, ann an diadhachd, ann an sith spioraid, 's ann an irisleachd cridhe cha'n'eil ni eile air an t-saoghail is maisiche na sin. Ach bodach beag, liath, greannach aig nach 'eil suim do dhiadhachd no do mhaitheas, 's anns nach 'eil ach an gaotharan amaideach cha 'n 'eil ann an cruthachadh Dhe, sealladh eile is oillteile na sin. 'Nuair a tha 'n Aois air a crunadh le maitheas, tha i maiseach. Ach 'nuair a tha i ceangailte ris an fhaoineis, tha i duaichnidh. Ged a dh' fhasas duine sean ann ambliadhnachan faodaidhspiorad na h-oige a bhi 'nachridhe. Cha 'n e na preas- aichean a thig air aodann duine a tha 'ga dhean- adh sean, ach na preasaichean a thig air a spiorad. 'S iomadh- a h-aon aig a bheil a chridhe Ian phreasaichean ma'n ruig e da fhichead bliadhna, ach 's iomadh a h-aon cuideachd achunnaic ceithir fichead geamhradh 's nach 'eil ann ach am balach. 'Nuair a tha 'n cridhe bg, 's a mhaireas dochas beo, cha chudthorm na bliadn- achachan. Bha na seann Ghaidheil a' deanadh iomradh air aite ris an abradh iad Tir nan Og. Se sin an tir a tha sinn uile ag iarraidh. C'aite a bheil i? Tha 'n Salmadair ag innseadh ciamar a rainig esan an tir sin, 's cionnus a bha 'oige air a hath nuadhachadh Beannaich a?i Tighearna o ni' ana>n. 'Se mJiailheas dlmit de pheacanna gu leir a shlanuicheas t-euslaintean uile, a sham-as do bheatha o sgrios, a chrunas tii le. caoimhneas o-raidh, agus caomh throcairibh, a shasuicheas do bheul le nithibh inaithe, air. chor as gu' n' atlimiadh- aichear t-oige, mar bige na h-iolaire.

SMAOINTEAN.

Bha Righ ann uair-eigin 's an aird an Ear, a ghabh 'na cheann gum biodh e sona, nan rachadb e 'luidhe aon oidhche ann an leine duine shona. Shiubhladh an duthaich feuch an gabhadh a leithid sin de dhuine faotainn. Cha robh e furasda. Ma dheireadh fhuaradh baigear bochd a bha Ian shona. Ach 'nuair a ruisgeadh am baigear, cha robh snathainn leine mu chneas. Cha leig sinn a leas an cbrr a radh. Tuigidh gach duine ach an t-amadan.

Cha 'n 'eil moran pheacanna ann, is lugha a chuireas de dhragh air coguis duine na sannt. 'S docha gu bheil gu leoir de dhaoine nach abair peacadh ris an ni sinn idir. Their iad gur he failing bheag a th'ann, ach ni 's miosa na sin cha 'n abair iad. Thuirt sagairt uaireigin nach d aidich duine riamh dha sannt ann am measg nam peacanna eile a bha iad ag aideachadh. Gu de is ciall da sin ? Ma ta, cha'n urrainn mi radh, mar a h-e so e gu bheil cridhe 'n^ duine anabarrach cealgach.

B' abhaist do dh' aon de na seann diadhairean a bhi 'g radh, gu bheil an saoghal cruinn 'us cridhe an duine tri-oisinneach, 's ged a chuirte an saoghal uile ann an cridhe 'n duine, gum biodh aite falamh ann fhathast.

'S fhearr do dhuine olc fhulang seach olc a dheanadh. 'S fhearr do dhuine sgonn a thoirt bharr a theanga, seach i bhi ro fhada. 'S fhearr do dhuine saorsa seach saoibhreas.

Feumaidh daoine oidhirp a thoirt air cur suas le cuisean mar a thig iad, agus an uair a thig iad. Cha 'n 'eil duine coimhlionta air an talamh ; ach air a shon sin tha Dia a' cur suas leotha, agus a' toirt orra moran feuma 'dhean- arah. O 'n a tha Dia a' cur suas leis na seirbhisich a th' aige, 's gun a h-aon dhiubb coimhlionta, is coir dhuinne gach oidhirp a thoirt air cur suas le iomadh ni agus neach nach 'eil idir cho math 's bu mhiann leinn.

Is ainneamh leis na h-uilc a bhith 'nan aonar. Is trie leis na breugan a bhith 'n cuidheachd na braide. Is trie le mi-bheus a bhith 'n cuideachd na misge.

Tha gu le5r aon diolaid a chur air aon each. Mar an ceudna tha gu leor aon eallach a chur air druim duine sam bith. Am fear a ghabhas OS laimh mbran a dheanamh, faodar a bhith cinnteach nach teid aige air a dheanamh ach fior bheagan.

Cha 'n fhaighear an gliocas gu li^ir anns an aon cheann. Cha 'n e so a tha iomadh neach a' creidsinn. Tha duil aig cuid gu bheil gliocas an t-saoghail uile ri 'fhaotainn 'nan cinn fhein. Is e so an dearbh chomharradh leis an aith- nichear cho amaideach 's a tha iad.

,1

Air. 8.

1907.

GLOER CHRIOSD.

A?i uair a dhuisg tad, chunnaic iad a ghloir. Lucas ix, 32. Is ann a dh' uirnigh chaidh Criosd suas air beinn Hermoin. Thug e leis triuir d'a dheis- ciobuil. Bu mhaith leinn an uirnigh sin a bhi againn, ach ma chuala na deisciobuil i, cha do chum iad air chumhn' i, no co dhiu, cha 'n 'eil iad a' toirt iomraidh oirre. Bha iad 'nan cadal. Cha 'n 'eil fhios againn an robh iad 'nan cadal fad na huine, no an do dhuisg iad ma'n do stad E dh' uirnigh. Ach an uair a bha iad 'nan dusg- adh chunnaic iad a ghloir. Bha dreach a ghnuise air atharrachadh agus 'eudach geal agus dealrach. Cha bu bhruadar a bh' ann, ach seall- adh a chunnaic iad le 'n suilean. Cha do dhichuimhnich iad e ri 'm beo. 'Nuair a bha Peadar 'na sheann duine, bha e bruidhinn air an latha a bha iad maille ris air an t-sliabh naomh, far an robh iad 'nan suil-fhianuisibh air a mhorachd.

I. ladsan a tha beo anns a' chuid a's airde d'a nadur, chi iad gloir Chriosd. Los sinn fhein a chumail anns an staid sin, feumaidh sinn Esan a bhi trie 'nar smaointean. B' fheairrd sinn an dorus a dhunadh an drasd 's a rithist, 's uair no dha a chuir seachad leinn fhein a beachd- smaoineachadh air beatha Chriosd. Tha iomadh duine nach 'eil a'gabhail mionaid samhchair leis fhein, lalha 's a bhliadhna. Cha 'n 'eil sin gu maith. Air cho deonach 's ga 'm bi duine, cha 'n 'eil e furasda dha inntinn a shocruchadh air nithean spioradail am measg fuaim is driop an t-saoghail. Tha cuid de na naoimh anns an eaglais Phapanaich a' toirt thairis am beatha gu leir gu bhi beachd-smaoineachadh air fulangas is crann ceusaidh Chriosd. Cha 'n 'eil iad 'ga leigeadh as an cuimhne mionaid de'n latha. Dh' fhaodamaid sinne leasan a ghabhail uapa. Tha ar cridheachan gu nadurra fuaris cruaidh, 's cha 'n 'eil an taingealachd no'n gradh do Chriosd annta 'bu choir. Na'n cuimhnicheamaid air na bu bhitheanta 's nan smaoinicheamaid an drasd 's a rithist re an latha, air a bheatha's fhulangas, dhuisgeadh sin annainn an tuilleadh graidh Dha 's bhriseadh e cruas ar cridheachan.

IL Tha sinn a' faicinn gloir Chriosd 'nuair tha faireachduinn againn air miorbhuileachd na h-obair a rinn E air ar son-ne. 'Se gloir an t-Slanuighear a mhaitheas, ach cha leir dhuinne a' ghloir sin gus am bi fiosrachadh pearsant' againn air a mhaitheas da'r n-anma fein. 'Nuair

tha sin againn, tha ar suilean air am fosgladh 's chi sinn maise airsan, gu'n iarramaid e Tha sinn a' fas cho cleachdte ri briathran a' Bhiobuill 's nach duisg iad ioghnadh sam bith 'nar cridh- eachan, Eisdidh sinn ri facail de'n t-seorsa so gun ioghnadh Mac Dhe a ghradhaich mi 's a thug efein air mo shon. Nach e a's ciall d'a sin nach 'eil fhios againn gu de tha sinn ag radh !- Na'n gabhamaid a stigh da rireadh an ni a tha iad a' ciallachadh tha mi 'n dull gu'n tuiteamaid air ar n-aghaidhean air an lar. Na'n leughamaid a h-uile feasgar an naoitheamh caibideal deug de shoisgeul Eoin, 'sa radh rinn fhein 'nuair tha sinn 'ga leughadh '6' ann air Dia fhein a rinn- eadh .f^— tha mi 'n dull gu'n duisgeadh e ann- ainn ioghnadh nach leigeadh leinn cadal tuilleadh. Bhruchdadh maitheas is gradh Chriosd a steach air ar cridheachan, agus anns an smaoin sin chitheamaid a ghloir.

III. Ged a bhiodh duine fad a bheatha lamh ri Criosd cha rannsaicheadh e uile gu leir a ghloir. Ged shealladh e airsan tri fichead bliadhna, tha gloir fhathast nach fhac' e. Tha P61 a' bruidhinn air saoihhreas Chriosd nach feudar a ramisachadh. Fhuair P61 greim air rim-diomhair na diadhachd mar nach d'fhuair moran, ach air cho soilleir 's gu robh e, air cho domhain 's gu'n deachaidh e, bha fhios aige gu robh doimhneachd grais ann an Criosd air nach do rainig e riamh. Bha saoibhreas air cul saoibhreis, is gloir os cionn gloire a lion a chridhe le moladh agus ioghnadh air chor 's nach b'urrainn dha ach an uirnigh so a radh air a shon fhein 's air son muinntir Ephesuis gu'm hiodh iad comasach maille ris na naoimh telle, a thuigsinn ciod e lend agus fad, agus doimhne, agus airde ; agus air gradh Chriosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eolas. Beachd-smaoinich- eadh duine air Criosd 's air 'obair uile laithean a bheatha, 's cha teirig ioghnadh. Cha d'fhuair e ach cuman as a' chuan. Cha d' fhuair e ach earlais de'n oighreachd.

Ach an t-anam a bhios 'na dhusgadh, an duine bhios beo 's a' chuid a's airde d'a nadur chi e 'ghloir. Chi e maise nach faic na suilean dall. Tuigidh e nithean nach tuig na cridh- eachan cruaidh. Tha tri gloineachan leis a laic sinn gloir Chriosd

Cridhe glan, Beachd-smuaineachadh, Umhlachd. Far a bheil sin, cha 'n 'eil an cadal spioradail a dh' fholaicheas a' ghloir.

30

AN LA DA R.

Faodaidh nach 'eil fios aig cuid d'ar luchd leughaidh, gu de tha sinn a' ciallachadh leis an fhacal ladar co-dhiu a th' ann duine no beath- ach no biadh. Ach ma ghabhas iad faighidinn, innsidh sinn. Thachair dhuinn a bhi seanchas an la roimhe ri bodach c6ir a tha 'na sheorsa de phears' eaglais ann an sgireachd nach ruig sinn a leas ainmeachadh, 's thuirt sinn ris a Sheumais, an aithne dhuibh-se gu de a th' ann an ladar? Sheall e oirnn car biorach, 's fhreagair e mar a mi-mhodhail a' cheist e, carson a tha sibh a feoraich ! Dh' innis sinn dha gu robh sinn am beachd iomradh a thoirt air an ladar anns an duilleig so, 's gu 'm bitheamaid fada'na chomain nam freagradh e a' cheist ann am briathran soilleir gu de a th' ann an ladar.' Gabhaibh, ars' esan, mo leth-sgeul ; ma 's ann airson an leabhair dheirg a tha sibh ag iarraidh forthais^ tha 'n gnothuch ceart gu leoir. Abraibh riutha, mhinisteir, gur h-e a th' ann an ladar bocsa beag air cois f hada leis am bitear a trusadh nam huinn-a-sia. Tha Seumas 'na ghille-nihinisteir, no mar theirear ris Beadle, 's tha sinn an diiil gur h-e rinn cho amharusach e 'nuair a bhruidh- inn sinn an toiseach, gu robh facaii eadar e fhein 's na foirfich o chionn bhliadhnachan mu 'n ladar. Shuidh sinn aig bun craoibhe's dh' innis e car air char mar bha. Cha ruig sinn a leas tigh'nn thairis air cainnt Sheumais air eagal gu faic na foirfich e, ach o'n fheasgar air an d' innis iad dha gu faodadh e 'n ladar a chuir air an sparr, 's gu 'n cruinnichte tabhartas a' choimh- thional air dhoigh eile, chaill Seumas a thlachd 'na dhreuchd, 's mar be nach bu toigh leam, ars' esan, duin' eile fhaicinn a' cur suas a Bhiobuill 'nuair a bhios sibh fhein a' dol do 'n chubaid, thilgim an clag 's a h-uile rud eile mu 'n casan. Air a' cheud Shabaid an deigh do na foirfich binn an lidair a thoirt a mach, 'nuair a thainig am an tabhartais, an aite Seumas a dhol mu 'n cuairt leis an ladar mar a b' abhaist, dh' eirich triuir dhiii fhein, le poca beag gorm 's cearcail mu bheul, an laimh gach fir. Chrbm Seumas a a cheann air an aite shuidhe, 's cha do leig e air gu robh e faicinn no cluinntinn.

Cha robh fhios agam riamh gu robh e cho duilich feum a dheanamh air chiil ladair gus an deachaidh mi an cainnt Sheumais. Bha mise 'n duil gu rachadh agam fhein air dol mu 'n cuairt leis, ach chuir esan as a' bheachd sinn mi. Cha ghabhainn an saoghal a nis 's feuchainn ris. Feumaidh fear an ladair, ars' esan, suil gheur a bhi aige agus lamh chinnteach, 's a dh' aindeoin cho curamach 's gu 'm bi e, faodaidh dnod- fhortan eiridh dha. Cha do shuidh air stiuir nach d' thainig o laimh. Bidh sibh fhein, a' mhin- isteir, uairean ni 's cuimsiche seach uairean eile.

Bha teanga gheur aig luchd an ladair cho mhaith ri suil bhiorach is lamh chuimseach. Bha bean-uasal air an cuala sinn iomradh cho spiocach, 's nach cuireadh i dad 'san ladar, 'nuair a rachadh i do 'n eaglais. Neo-ar-thaing nach robh i modhail, 's nuair a shinnte 'n ladar 'ga h-ionnsuidh, ghogadh i a ceann, ach cha chuir- eadh i ruabhag ruadh ann. Thachair so Sabaid no dha. Mu dheireadh, dh' fhas Seumas ma 's e Seumas a b' ainm dha seachd sgith de 'n chluicheachd. Bha e air fharranachadh. An ath latha 'nuair a choc e rithe 'n ladar mar a b' abhaist 's a ghog ise ceann gun dad a chuir ann, thuirt e rithe gu cas ann an guth a chual an coimhthional uile B' fhearr leam na bu lugha de mhodh 's na bu mhodha dh' airgiod.

Ach saoilidh sinn gu 'm b' fhearrr am modh fhein seach buinn gun fheum a chuir 'san ladar gur fiiearr beic na putan. Bha duil againn gur h-ann ri feala dha a bhiodh foirfich 'nuair a theireadh iad gu 'm biodh putain is tairngean is trealaich de 'n t-seorsa sin 'san ladar, ach tha coltach nach h-ann idir, 's nach ann an diugh no 'n de a thoisich an t-olc. Anns an ochdamh linn deug bha 'n gnothuch cho maslach 's gu'm biodh Seiseinean na h-Eaglais ag iarraidh air na ministeirean earail a thoirt do 'n t-sluagh gun magadh a dheanamh air Dia le bhi 'cur buinn 'san ladar nach gabhadh na marsantan. Beagan bhliadhnachan an deigh an aonaidh eadar Albainn is Sasunn, cha robh feum sam bith an airgiod Albannach Cha ghabhte 's a mhargadh e, ach tha na leabhraichean Seisein aginnseadh dhuinn gu 'n cuirte 'san ladar e, 's gu robh sin na thrioblaid mhor do na foirfich. Aig deireadh na bliadhna bha cuid de dh' eajlaisean aig an robh cho mhaith ri cudthrom dheich puinnd de sheann airgiod 's de chuinnidhean nach b'fhiach dad. 'S bha e air a radh gu 'm biodh muinntir Obareadhain a' cur droch airgid ann am bocsa nam bochd, 'safaotainn mughaidh de dh' airgiod maith. Chum cleireach seisein a bha dluih do Ghlaschu cunntas air na droch bhuinn a chuir- eadh 's an ladar 's ann am bocsa nam bochd fad dheich bliadhna, 's thuirt e gun do rinneadh 20190 gniomh leibideach 's an eaglais anns an nine sin.

Nan robh cainnt aig an ladar, b' fhiach dol air cheilidh air.

C A O M H A L A C H D.

Bha mi o chionn ghoirid aig tiodhlacadh. 'Nuair a bhatar a'dunadh na h-uagha, chuala mi triuir no cheathrar d'a choimhearsnaich a' bruidhinn mu 'n fhear nach bu mhaireann. Cha b' aithne dhomhsa ro mhaith e, ach rainig aon

!

31

fhacal mo chluas, a chord rium. Thuirt iad, fear as deigh fir, gu robh Eoghan 'na dhuine caomhal. Ma dh' fhaoidte gu saoil cuid gur suarach am moladh e, gu 'n abradh a choimh- earsnaich mu dhuine, 'nuair a thatar a' fagail na beannachd dheireannaich aige, gu robh e 'na dhuine caomhal. Ach gu de an teisteanas a b' fhearr a b'urrainniad a thoirt dha? 'Nuair a thig am has 's a tha ar cairdean air an gairm ann an lathair an Ti d'a leir na h-uile nithean, 's a tha mion-eolach air diomhaireachd gach cridhe, cha bu choir dhuinne breith a thoirt. 'S e ar gliocas a bhi samhach. Tha iad ann an lamhan an Ti a tha trocaireach. Tha feum againn uile, maith is dona mar tha sinn ann, air trocair, 's 'nuair a sheasas eadhoin na naoimh aig ceithir breitheanais, cha 'n urrainn iad bonn misnich eile bhi aca ach gii hheil Dia caomhal. Is ann 'na chaomhalachd-san a dh' fheumas sinn uile ar dochas a chur, agus saoilidh mi nach 'eil duine sam bith a's cinntiche dh' fhaodas earbsa dheananih as a sin, na 'n duine mu 'n abair a choimhearsnaich 'nuair a tha iad 'ga fhagail anns a' chlaodh, gu robh e 'na dhuine caomhal.

Tha caomhalachd a' ciallachadh tuilleadh is caoimhneas. Faodaidh duine bhi caoimhneil, gun a bhi caomhal. Is iomadh duine mu 'n abrainn gu bheil e caoimhneil mu nach abrainn gu bheil e caomhal. Tha caomhalachd a' dol ni 's doimhne. Theirinn gu bheil duine caoimh- neil ma tha 'lamh fialaidh 's a chridhe farsuing, ach cha 'n abrainn gu bheil e caomhal mar 'eil spiorad Chriosd aige mar 'eil an inntinn 's an cridhe aige do dhaoine truagh is peacach is bochd is amaideach is mi-fhortanach, a bh' aig Ciiosd 'nuair bha E air thalamh, 's mar cuir e Esan 'nam chuimhne gach uair a thig mi faisg air. Ged is mor am facal e, tha cuid a dhaoine ann a ni sin. Is iadsan na daoine caomhal. Tha leithid de bhaigh, 's de dh' iochd, 's de chiuine, 's de chairdeas 'nan cridhe, 's nach urrainn sinn tigh'nn lamh riutha gun faireachduinn gu bheil sinn ni 's dluithe do Chriosd, 's gu bheil sinn a tuigsinn ni 's fhearr caibidealan sonruichte anns a' BhiobuU far a bheil iomradh againn air an doigh 's an do labhair an Slanuighear ri Saccheus 's ri sheorsa. B' aithne dhomh foirfeach a bha cho garg 's cho colgarra ann an trod 's an diteadh, 's gu 'm b' fhearr le daoine teicheadh a dh' America, seach seasanih air a bheulaobh anns an t-Seisein. Theireadh a choimhearsnaich gu robh e diadhaidh ach nach bu toigh leo e. Bha eagal air a h-uile duine 'san sgireachd roimhe. Cha chuala mi riamh gu 'n do rainig duine 'na eigin a dhorus, na gu 'n do chuir duine amaideach no duine cionntach a chomhairle ris. Cha robh e caomhal. Cha 'n 'eil diadhachd maith 'nuair tha i fuar is gruamach, ach tha naomhachd maiseach 'nuair tha i air a crunadh

le caomhalachd. An robh neach riamh air thalamh cho cairdeil riCriosd, ri daoine truagha? Cha 'n e 'naomhachd a tharruing peacaich 'ga ionnsuidh, ach a chaomhalachd. Bha fhios aca nach ann a throd riu a thainig e, ach 'gan cuideachadh, nach ann 'gan diteadh ach 'gan tearnadh. Thug e dhaibh misneach, bhruidhinn e riutha mar bhrathair, 's leagh a chaomhalachd cruas an cridhe. Thug caomhalachd an t-Slan- uighear ceudan do rioghachd neamh a chumadh neo-chaorahalachd nam Pharasach a muigh.

Tha feum aig an t-saoghal daonnan air daoine caomhal. Is iadsan, da rireadh, a tha cumail beo a' chreidimh Chriosduidh. Cha 'n e na h-arguimeadan a chuireas sgoilearan is feallsan- aich an altaibh a cheile, a tha cumail a' chreidimh beo, ach caomhalachd is maitheas nan daoine sin a dh' ionnsaich caomhalachd ann an sgoil Chriosd. Aon duine caomhal ann am baile, is mor a' bheannachd e. Tha e 'na fhianuis air taobh diadhachd a's fhearr na leabhraichean. Tha e 'na thobar beatha as a bheil daoin' eile 'g ol 's a' faotainn slainte. Tha e 'na oladh a leighseas lotan a cho-chreutairean. Tha e 'na fhasgadh a dh' ionnsuidh an tig daoine sgith. A' chuiic bhruite cha bhris e. Ma dh' fheumas e neach eile chronachadh, cronaichidh e ann an gradh. Ma dh' fheumas e suidh' ann am breitheanas air neach eile, cuimhnichidh e trocair. Ma chluinneas e gu 'n do ghlacadh a choimhearsnach ann an coire air bith gu h-obann, cha teid e seachad air, air an rathad mhor, 's cha dean e tair air, 's cha troid e ; ach togaidh e suas a shamhuil sin do dhuine ann an spiorad na macantachd. Ma ghabhas facal maith a radh as leth cionntaich, cha bhi e 'na thosd. Cha dean e air a cho-chreutairean ni nach bu mhaith leis Dia a dheanamh air fhein.

Is beannaichte na daoine trocaireach, oir gheihh iad trocair.

AR NAIMHDEAN.

Cha mhor dhaoine aig nach 'eil namhaid air chor-eigin. Saoilidh sinn gu bheil sinn a' dean- amh gle mhaith ma tha e 'na chleachdadh againn a bhi 'g urnuigh airson ar cairdean. Ach cha leig Criosd lemn stad aig ar cairdean. Tha e 'g radh Deaiiaihh urnuigh air son na muinntir a tha buntainn ribh gu naimhdeil. Cha 'n 'eil fhios againn am bith buanachd 'nar n-urnuigh da 'r namhaid, ach tha cinnt againn gu 'm bi an urnuigh sin chum buanachd dhuinn fhein. Le bhi 'g urnuigh air son ar namhaid, gheibh sinn buaidh air naimhdeas is mi-riin ar cndheachan fhein, 's cha bheag a' bhuaidh sin. Cha 'n urrainn dhuinn droch fhaireachduinn a bhi againn do dhuine, a's abhaist dhuinn ainmeachadh 'nar n-urnuighean.

.32

AN SAMHRADH.

'NuAiR a bha mi 'nam bhalach, bhiodh m'athair 'g am chur a bhuachailleachd a' chruidh 's an t samhradh 'N uair a chuimhnicheas mi air na laithean sin, thig dusgadh 'nam chridhe air nach urrainn mi cainnt a chur. 'Nuair a bhiodli an crodh ag ionaltradh rachainn air mo dhruim direach air a' mhachair, 's dh' eisdinn ri ceol nan uiseag. Tha cuimhne agam fhathast air an t-s61as a bheireadh e do'm chridhe, 's na smao- intean a thigeadh 'nam cheann. Tha bliadh- nachan uaithe sin. An latha roimhe, bha mi tigh'nn dhachaidh o bhi 'g araharc duin' 6g a tha 's a chaitheamh. Bha mo chridhe goirt. Ach air an t-sliabh bha na h-uiseagan a' seinn, 's o nach robh siiil 'gam fhaicinn, chaidh mi air mo dhruim, 's dhuin mi mo shuilean feuch an tigeadh an t-seann fhaireachduinn 'nam chridhe. Cha d' thainig, ach thainig an smaoin 'nam cheann nach robh annam ach an t-amadam, 's gu'm b' fhearr dhomh eiridh air eagal gu faigh- inn an 16inidh. Their seann daoine gu blieil an samhradh air atharrachadh seach mar a bha iad 6g. Ach cha 'n e sin am facal mu dheireadh air a' chuis. Bha na h-uiseagan cho binn 'sa bha iad riamh.

AN lORGHUILL.

Bha cu ann uair-eigin a chaidh do'n mhargadh 's a cheannaich ceann caorach. Air an rathad dhachaidh thachair da chu eile air, 's chaidh iad far a cheile. Leig e as an ceann, rug e air arah- aich air fear dhiu, 's thoisich an tapaid. Am fear nach robh 'san iorghuill, sraaointich e gu robh cho mhaith dhasan feoil itheadh f had 's a ghabhadh i faotainn, 's thug e lamh air ceann na caorach. 'Nuair a chunnaic e so, leig e as an cu ris an robh e tapaid, 's leum e air muin a mheirl- ich. Ach fhad 's a bha esan an amhaich a mheirlich, thug an cu eile aghaidh air a' cheann. 'Nuair a chunnaic e so, 's a thuig e nach gleidh- eadh e 'n fheoil nan leanadh e air an tapaid, thog e leis ceann na caorach, 's thuirt e Ubh tibh b'e 'n la e ^ nuair nach urrainn mi tuasaid bheag a dheanamh gun mo chuid a cha//.

AN TEANGA.

Dh' fheumadh duine geur a bhi "na dhuine caomhal. Is iomadh uair a ni an teangadh gheur lot nach 'eil furasd a leigheas. Duine glic, caoimhneil aig a bheil fuasgladh facail ni e chairdean cridheil; ach duine an-iochdmhor aig a bheil teanga sgaiteach 's cuis eagail do'n duthaich e. Is bitheanta a tha ioc-shlainnt 's an teanga mhabaich, 'nuair nach 'eil 's an teanga gheir ach am puinsein.

AN TAOBH EILE.

Theid againn uile air trioblaidean dhaoin' eile a ghiulan ann an spiorad Criosduidh. Theid againn air solus a chur air freasdailean gle

dhorcha 'nuair is e daoin' eile a tha fulang. Cha'n e a's reusan dha sin gu bheil sinn 'nar cealgairean, ach gu bheil e duilich do dhuine e fhein a chur ann an aite neach eile. 'S ann 'nuair a bhios an cudthrom oirnn fhein a dhearbhar ar cainnt. Tha mi'n duil gu bheil f hios agam ciamar a bu chor do m' choimhears- nach uallach a ghiulan, ach b' fhearr leam gu robh mi cinnteach, gu de dheanainn fhein na'n robh mi 'na aite.

LAOIDH.

Bha an laoidh so air a tionndadh gu Gaidhlig leis an U}-r. Iain MacRiiairidh a bha 'na fhear deas- achaidh air na duilleagan so fad iomadh bliadhna. Tha fhios againn nach misd le ar luchd-leughaidh a lamh fhaicinn aon uair eile.

Fan maille rium ! tha 'm feasgar ciaradh trom Is sgail na h-oidhch': a Dhe, fan thusa leam ! 'Nuair thig an eis, 's a threigeas cairdean dliith, O thi bheir neart do'n lag, fan maille rium !

Tha beatha 'triall 's mo la a' tigh'nn gu crich ; Tha maise 's gl6ir na talmhainn 'dol a dhith ; Tha caochladh m6r ri fhaicinn air gach duil : O thusa chaoidh nach treig, fan maille rium.

Cha'n e mo mhiann thu thriall air falbh gun dail Mar neach air chuairt, ach thu bhi gabhail tainih Am chuideachd fhein, a Dhe, le cairdeas dluth, A chaoidh nan cian nach treig; fan maille rium.

Na tig mar Righ, le uamhas, thugam fhein, Ach caoimhneil, tlath, le slainte fo do sgeith ; Lan iochd is truais ri sluagh tha 'cur riut ciil ; Mar charaid caomh nan truagh, fan maille rium t

'Nuair bha mi 6g rinn thusa comhnadh leam ; Ged b'olc mo dhoigh, 's mi 'triall gu bron am

dheann Cha d' threig thu mi ged nach bu mhiann leam thu Gu ceann mo reis, O Dhe, fan maille rium !

Gach uair de'n la thoir dhomh do laithreachd

threun; Ciod ach do ghras bheir buaidh air Satan fhein? Co ach thu fhein bhios dhomhsa mar reul-iuil ? Gach oidhch' is la, O Dhe, fan maille rium.

'Nuair tha thu dluth cha'n eagal leam aon namh ; Tha m'inntinn stold' 's tha uilc is deoir na'n

tamh, Bho 'n thug thu buaidh air bas is uaigh le cliu, 'Nuair sheas thu 'n kit' do shluaigh; fan maille

rium.

Cum suas do chrann gach am am shealladh fhein Le d' sholus aigh stiuir mi do ghnath 's gach

c^um ; Tha 'n sgail a' triall, 's tha mhaduinn shiorruidh

dlijth, Trath bhios mi'n so, O Dhe, fan maille rium.

Air. lO.

1907.

AM FOGHARADH.

Ann an cuid de sgireachdan, tha e 'na chleach- dadh latha buidheachais a choimhead aig deir- eadh an Fhoghair. Bu mhaith nam biodh a leithid sin de latha, air a choimhead leis gach ■comhthional 'san eaglais. Tha e iomchuidh gu'm biodh cothrom air a thoirt do'n t-sluagh, pairt a ghabhail ann an seirbhis bhuidheachais airson an fhogharaidh, co-dhiu a ghabhas sin deanamh air Sabaid no latha seachduinn. Tha e freagarrach gu moladh daoine Dia airson cinneas na talmhainn, cho mhaith 'sa mholas iad E, airson throcairean eile. Tha Esan a' riaghladh anns an t-saoghal nadurra mar anns an t-saoghal spioradail, 's chitear a chumhachd 's a mhaitheas air an achadh-bhuana mar a chitear iad 'san teampuU. 'Nuair a choisich an Salmadair thairis air achaidhean ludah, o chionn •corr is da mhile bliadhna, 's a chunnaic e iad air an comhdachadh le pailteas Dhe, rinn e, 's sheinn e 'n t-oran

An talamh tha thu fiosrachadh,

'S 'ga uisgeachadh gu reidh ;

Le abhainn Dhe ta Ikn do'n uisg'

Trom beartach ni thu e.

Dhoibh arbhar tha thu deasachadh,

Le d' fhreasdal caomha fein ;

'S ag uisgeachadh le pailteas mor

Nan iomairean gu min

Mu'n bhliadhna coron tha thu cur,

Le d' mhaitheas fein, a Dhe,

Tha saill a' sileadh anns gach ait,

O d' cheumannaibh gu reidh.

'Gach latha tha 'n urnuigh a tigh'nn o mhile bile Thoir dhuinn ar n-aran lathail agus is e na h-achaidhean arbhair freagradh Dhe do'n urnuigh sin. Tha 'n saoghal an crochadh ris-san airson beatha cuirp,cho cinnteach 's a tha e 'n crochadh ris airson beath' anma. Their sinn gu'n do rinn Criosd miorbhuil 'nuair a mheudaich e'n t-aran 'sa bheathaich e na miltean, ach their sinn cuid- eachd nach 'eil a leithid sin de mhiorbhuil a' tachaitt an diugh. Tha a' cheart ioghnadh mu choinneamh ar sul a h-uile foghar, nan robh againne an t-suil a chitheadh 's an cridhe thuig- eadh. Air cho innleachdach 's ga bheil an duine, 'nuair a chuireas e 'n siol anns an talamh, oha 'n ^urrainn e 'n corr a dheanamh.

Is e Dia a blieir fas is toradh. Tha maitheas Dhe mar gu'm biodh abhainn mhor a' ruith troimh 'n t-saoghal, ach tha 'n abhainn a' ruith cho cinnteach "s nach 'eil sinn a' gabhail suim dhi. Gad tha'n fhuaim 'nar cluasan, cha chluinn ;sinn i, 's gad tha i 'dol seachad air ar dorsan,

cha'n fhaic sinn i. Tha earrach is foghar, samh- radh is geamhradh, fuachd is teas, grian is gaoth, a' tighinn cho cinnteach 'nan am fein, 's ag oibreachadh toil an Uile chumhachdaich cho seimh, reidh, ordail, 's nach 'eil iad a' cur ioghnadh sam bith oirnn. Tha sinn a' tuiteam 'nar cadal air chor 's nach leir dhuinn an lamh threun, 's an inntinn ghlic, is cridhe 'ghraidh a tha air chul laghannan Naduir. Tha feum againn uile air an urnuigh a radh gach latha Fosgail mo shuilean chum 's gu faic mi do ghloir. Tha Dia anns an tsaoghal an diugh mar a bha e ann an laithean an t-Salmadair. Q\a d' fhag Esan an saoghal 'n uair a shiubhail Maois. Tha e fhathast a' marcachd air sgiathaibh na gaoithe, 's nan robh claisteachd againne, chkiinneamaid fuaim 'imeachd. Is e Esan a tha 'deanamh an t-saoghail maiseach, 's a' crunadh na bliadhna le pailteas. O gach achadh buana ann an am an Fhoghair tha 'n guth a tigh'nn 'gar n-ionnsuidh Feuch tha mise mailie ruihh. Tha gach dias a chromas a ceann le cudthrom a toraidh ag innseadh dhuinn nach do dhichuimhnich ar n-Athair air neamh a chlann a lb' air an talamh. Tha Fhacal-san cinnteach, 's cha teid E 'n cois a gheallaidh.

Tha am Foghar a' teagasg iomadh leasan dhuinn, ach tha e gu sonruichte 'gairm oirnn an Tighearn' a mholadh. Tha sinn uile deas gu bhi gearan, 's mas fior na theirear, cha'n'eil daoine air thalamh cho gearanach ris na tuath- anaich. Is iomadh uair a chuala sinn o thainig a' bhliadhna, nach robh ri bhi ann ach foghar bochd, 's nach biodh biadh ri fhaotainn do dhuine no do bheathach. Ach nam biodh faighidinn aig daoine, chitheadh iad gun tig gach ni na am fhein. Gu de is fhiach ar creidimh ma bheir fras luchair air falbh e. Cha do chuir an gearan cruach a bharrachd riamh 'san iodh- lainn. 'Nuair a bhios an t-eu-dochas a' faotainn lamh an uachdar oirnn, cuimhnicheamaid gu de a thuirt aon de na faidhean.

Chaoidh ged nach toir crann fige blath,

'S nach fas air fion-chrann meas

Saoth'r a' chroinn-olaidh ged a threig,

'S fas dels gun bhi air slios.

Gach treud o'n mhainnir ged a bhuail

Grad fhuathas 'nuair nach saoil :

Greigh ged nach d' fhag an t-Earrach cruaidh

No bo air uachdar raoin.

Gidheadh 'san Triath bidh mise ait>

Is ni mi uaill 'na gliradh

Mor aoibhneas ni mi ann am Dhia

'Se Dia mo shlaint' gu brath.

38

A dh' aindeoin gu de their daoine, is e an inntinn 's an spiorad sin a bheir buaidh air an t-saoghal. Cha'n'eil an gearan maith, ach ni spiorad na taingealachd beatha duine maiseach, 's ni e chridhe 's a cheurn aotram. Ann an aon de sgriobhaichean nan Rabbis ludhach, tha e air a radh, gu bheil da sheorsa ainglean ann ainglean airson seirbhis, 's ainglean airson molaidh. Tlia na Rabbis fhein ag radh gur h-e na h-ainglean molaidh a's airde, 's nach 'eil e air a chead- achadh dhaibh Dia a mholadh da uair. 'Nuair a thogas an t-aingeal a guth ann an laoidh molaidh, 's a sheinneas i cliu an Ti a's airde, tha i a' criochnachadh a beatha, tha i a' sioladh a mach a bith oir rainig i iomlanachd, 's choimh- lion i run Dhe a bh' aige 's an amharc 'nuair a thug e dhith beatha. Cha'n'eil ann ach aon de sgeulachdan faoin nan seanairean, ach tha chriomag so de'n fhirinn ann gu bheil duine 'g eiridh gu iomlanachd beatha, 'nuair tha 'chridhe air a' lionadh le spiorad a' mholaidh. Bhiodh am Foghar na shacramaid dhuinn uile, nan duisgeadh e annain taingealachd, 's nan tugadh e oirnn seinn o'n chridhe

O m' anam beannaich fein a nis

lehobhah mor do Dhia,

Na dichuimhnich na tiodhlacan

A dheonuich dhuit an Triath. Ann an seirbhis bhuidheachais an fhoghair bu choir dhuinn na bochdan a chuimhneachadh. Cha'n'eil doigh eil' anns an fhearr a's urrainn dhuinn ar taingealachd a nochdadh. Tha 'n doigh sin taitneach do Dhia. Bhiodh e gle narach, nam biodh ar cridheachan cruaidh, 'nuair tha ar saibhlean Ian. Cha bhinn an ceol le Dia an spiocaireachd. Cha d' tainig duine riamh gu bochdainn, le bhi cuideachadh nam bochd. Is toigh le Dia cridhe farsuinn agus lamh f hialaidh. Ged a dh' fhaodas gu leoir de theachd an tir a bhi againne, tha na miltean air a bheil an tacras. 'Nuair a stadas na Criosduidhean air a bhi caoimhneil ris na bochdan, caillidh an diadhachd a maise. Cuimhnicheamaid trocair 's bitheamaid baigheil.

M A R A N ATA. I Coi: ib-22

Cha'n'eil am facal maranata a' tachairt oirnn ach aon uair anns an Tiomnadh Nuadh, 's cha'n'eil e idir furasd a radh gu de brigh an fhacail. Tha Pol a' sgriobhadh Ma tha neach sam bith nach gradhaich an Tighearn losa Crioid, biodh e '?ia anatema tnaranatha^ no mar tha e air a chur anns a' BhiobuU ur Ghaidhlig Mur 'eil gradh aig neach air bith do'n Tighearna, bitheadh e Anatema. Maran. Ata. Gu de tha Pol a' ciallachadh ? Their cuid gu faodar

cainnt Phoil a chur mar so gun atharrachadb a dheanamh air a theagasg Mur gradhaich neach Criosd, biodh e mallaichte gu brath, seadh seachd uairean mallaichte Tha am facal ana- tema a' ciallachadh duine no ni a th' air a chur- air leth a chum sgrios ; 's a chionn gu'n do chuir Pol an da fhacal taobh ri taobh, their cuid gur' h-e tha anatema maranata a' ciallachadh mall- achd dhubailte, leir sgrios eagallach. Cha'n'eil na : sgoilearan a's fhearr a' toirt gnuis do'n bheachd sin. 'Nuair a leughas sinn an rann so, bu chor dhuinn stad aig Anatema, mar tha 'm Biobull iir a' deanamh. Cha'n'eil e ceart an da fhacal a chur comhla idir, a chionn nach 'eil iad a' ciallachadh an aon ni. 'Nuair a sgriobh Pot na briathran soluirate mur 'eil gradh aig neach do'n Tighearna, bitheadh e anatema rinn e stad- beag, 's leis an ath anail thubhairt e Maran ATA, is e sin ri radh, Tha ar Tighearna 'teachd. Dh' eirich inntinn Phbil o'n bhreiih a dh' ionns- uidh a' bhreitheamh. Tha cuid de sgoilearan ag radh gu faodar na briathran a ghabhail mar urnuigh A T/iighearna, thig.

Bha dochas na h-eaglais air a chumail beo^ ann an laithean a leanabachd, le duil ri teachd Chriosd. Bha moran de na ceud Chriosduidh- ean aig an robh Ian fhiuthair gu'n tigeadh Criosd an dara uair, 'nan latha fein. Aig aon am d'a bheatha, bha Pol de'n bheachd sin ; bha e'n duil nach b' fhada 'n nine gus a faicte an Righ glormhor a' teachd. Bha an urnuigh gu trie air bilean nan creidmheach anns na linntean sin A Thighearna, thig, 's math dh' fhaoidte gu'm biodh cuid dhiu a glaodhaich nam facal ann an seirbhis na h-eaglais, direach mar a chuala sinn cuid de na Methodists a' glaodhach Halleluiah ann am meadhon searmoin, 'nuair a chluinneadh iad rud a chordadh riutha.

Tha ar Tighearn' a' teachd. Is e sin firinn- do nach 'eil Criosduidhean an latha diugh a' toirt moran geill Cha'n'eil iad ag aicheadh gu'n tig E, ach cha'n'eil an smaoin anabarrach beo dhaibh, 's cha'n'eil iad a' sealltuinn ri teachd an Righ le dochas is aoibhneas mor. Bha'n dochas sin 'na neart 's na sholus do'n eaglais ann an toiseach a toiseachaidh. Tha an Tionnadh Nuadh Ian dheth. Thuirt Criosd e fein Agus an sin foillsichear co??iharadh Mhic an duine ami an neanih ; agus chi iad Mac an duine a' teachd air neoil neimh, le cumhachd agus gloir mhoir.~ Ann an sacramaid na suipeir naoimh, theagaisg Criosd d'a shluagh cuimhne 'chumail airsan, fiuthair a bhi aca ri 'theachd, 's an t-ordugh sin- a choimhead gus an tig e. Agus is e an urnuigh mu dheireadh a th' anns a' Bhiobull Amen : thig, a Thighearna losa.

Tha e soilleir gu leoir o'n Fhirinn gu bheil; Criosd ri teachd, ach cha'n'eil e idir cho soilleir cuin no ciamar a thig E. An tig E ann an.

39

uaigneas, no an tig E le fuaim a chlisgeas an saoghal ? An tig E ann ancumhachd a spioraid, no an tig E mar Righ a righicheas gu pearsonta thairis air na duthchannan? An tig E aon uair, no an tig E uair is uair eile ? An tig E gu h-aithghearr, no an teid na miltean ginealach seachad ma'n cluinnear fuaim a theachd ? Eiridh ceistean de'n t-seorsa sin 'nar inntinnean, ach cha'n'eil e furasda freagradh fhaotainn dhaibh. Ann an aon seadh tha Criosd a' teachd daonnan, 's cha'n'eil linnnach fhaca cuid denageallaidhean air an comhlionadh. Thainig Criosd air ais cheana 'nuair a nochd se E fein do na deis- ciobuil an deigh aiseirigh. Thainig Criosd air ais 'nuair a bha 'n eaglais air a h'onadh leis an Spiorad Naomh air la na caingeis. Tha E tigh'nn air ais gach uair a gheibh an rioghachd a chuir E air chois, buaidh air an t-saoghal. 'Nuair a shoirbhicheas obair spioradail sam bith, faodar a radh Tha an Tigheant' a teathd. Ach cha n-e sin an dochas a bha lasadh ann an cridhe Phbil, cha'n e sin an dochas a bha 'cumail beo misneach na heaglais oig. Bha iad a' seall- tuinn airson la an Tighearna, anns am faiceadh an sidkan. an Jiigh 'na mhaise. Cuin a thig an latha mor sin, cha'n aithne dhuinn ! Thuirt Criosd fhein Air an la na air an uair sin cha'n'eil fhios aig diiin air bith, cha'n'eil eadhoin aig ainglean neimh, no aig a' Alhac, ach aig an Athair a tnhain. Tha nithean diomhair ann a bhuineas do Dhia. Cha bu choir dhuinne bhi cosg ar saothair air nithean nach buin dhuinn. Is e ar dleasdanas-ne 's ar gliocas-ne faire dheanamh, chum gu'm bitheamaid deas, co dhiu a thig esan an diugh no am maireach. Thig la an Tighearna mar ghaduiche 'san oidhche. Is beannaichte an seirbhiseach sin a gheibh a Thigh earna, an uair a thig e, a' deanamh faire. Biodh ar lochrain daonnan laiste. ladsan a bhios dileas anns an obair a dh'fhag am Maighstir aca, cha bhi eagal orra roimh 'theachd. Nan robh fhios agaibh, arsa caraid ri Iain Wesley, g'un tigeadh am bas h-ugaibh am maireach, ciamar a chuireadh sibh seachad an uinc. Mata, ars' esan, dheanainn an ni a gheall mi cheana 'dheanamh: shearmonaichinn ann an Gloucester, rachainn an sin gu Tewkesbury far a bheil agam ri searmonachadh 's an f heasgar, chuirinn seachad an oidhche ann an comhradh ri m' charaid Martainn, rachainn a luidhe an deigh an aoraidh 's chaidlinn, 's bhiodh fiuthair agam gu'n duisginn ann an gloir. Esan a ni toil Dhe, 's a ni an obair a thug Dia dha ri dheanamh gu dileas— tha e daonnan deas air son teachd Chriosd. Maran Ata. Tha ar Tighearn' a' teachd. Tha e a' tigh'nn h-ugainn an diugh ann an trocair. Tha e 'na sheasamh aig ar dorus 'a bualadh. Ma dh' fhosglas sinn an dorus, 's ma chuireas sinn eolas air a nis, cha bhi eagal oirnn

an uair a thig e a ris, ann an gloir an Athar le 'ainglean naomha.

LEABHAR URNUIGH NOCS.

Ged a tha cainnt nan Gaidheal anabarrach aosda, cha'n'eil cunntasagainn gu'n do chuireadh leabhar Gaidhlig riamh ann an clb, gus a bhliadhna 1567. Tha gu leoir de sgriobhaichean Gaidhlig a's sinne na sin, ach cha robh iad air an cur ann an clo. Tha 'n t-urram aig leabhar urnuigh Noes gur h-e a' cheud leabhar a chuireadh a mach ann an Gaidhlig.

Sgriobh Iain Noes an leabhar ann an 1554, an uair a bha e ann an Frankfort, gu bhi 'na chuideachadh dha fhein, 's d'a chomhthional ann an seirbhis na h-eaglais. An uair a thainig e air ais do dh' Albainn thug e leis an leabhar, 's ged nach tug an Seanadh ughdarras do na ministearan an leabhar ujsneachadh ann an aoradh gu 1564, tha e gle choltach gu robh iad 'ga uisneachadh bliadhna no dha roimhe sin.

Cha'n 'eil fhios againn an e Noes fhein a chomhairlich an leabhar a thionndadh gu Gaidhlig, ach co dhiu ghabh Iain Carswell a bha 'na Easbuig air na h-eileinean mu'n do shiubhail e an obair os laimh. Faodaidh e bhi gur h-ann ann an ceann larla Earraghaidheal a bhuail an rud an toiseach, oir b' aithne do Charswell e gu maith, 's bha 'n t-Iarla anabarach eudmhor air taobh na h-eaglais, 's air taobh a' chreidimh Phrostanaich. Aig toiseach an leabh- air tha Carswell a' deanamh moladh nach beag air Tighearna nan Caimbeulach. Ged nach robh gaol aig moran de na Gaidheal air an Easbuig, cha'n'eil teagamh nach robh maith spioradail na duthcha aige 's an amharc daonnan.

An Carsalach mbr th;a 'n Carnasaraidh Tha na coig cairt 'na chasan Tha dhroll mar dhruinnein na corra, 'S a sgvoban lorn, gionach, farsuinn.

Mas fior am bard, cha tugadh a choltas an t-Easbuig a cuideachd. Ach cha robh dad de bhoilich ann. Tha e 'g radh aig toiseach an leabhair nach robh a Ghaidhlig ro mhaith 's nach b'urrainn e dheanamh achadhichioll "adbhuim fein fos uireasbhuidh mhor do bheith orm agcan- amhain ghaoidhleige." Ach ars' esan "is lor don fhirinde i fein mar fhiadhnuise, gun brat oile do chiir impe." Bha e'cur dragh air inntinn gu robh na Gaidheal na bu toighiche air sgeul- achdan faoine mu Fhionn Mac Cumhai), na bha iad air facal na firinn, 's chuir e roimhe gu'm faigheadh iad cothrom, eolas fhaotainn 'nan cainnt fhein air seorsalitreachais eile a b' fheairrd iad. B'e sin an t-aobhar gu'n do thionndaidh e gu Gaidhlig leabhar urnuigh Noes.

40

Tha tuilleadh is urnuighean ann an leabhar Charswell. Tha gach seoladh ann a bhiodh feumail do mhinistearan 's do'n t-sluagh anns an latha 'san do chuireadh ri cheil e. Tha aidmheil creidimh ann, tha riaghailtean ann mu dhreuchd na ministrealachd, mu thaghadh mhinistearan is fhoirfeach, mu mhineachadh nan Sgriobtuirean naomha, mu Shacramaid a' Bhaistidh 's mu shacraraaid na Suipearach, seirbhis phosaidh agus nithean de'n t-seoisa sin.

Cha'n'eil ach h-aon no dha de'n leabhair so an diugh a lathair. Cha'n'eil ach aon fhear dhiu nach 'ail sracte, 's tha 'm fear sin air a ghleidh- eadh gu curamach le Diuc Earraghaidheal ann an lonaraora. Los gu faic ar luchd leughaidh Gaidhlig na duthcha ann an 1567 cuiridh sinn sios urnuigh an Tighearna mar a sgriobh an Carsallach i, gun alharrachadh air bith :

Ar nathairne ata ar neamh go mo beandaighte hainm, go dti dod righe goma denta do thoil adtalmhuin mar a ta ar neamh, tabhair dhuinn anise ar naran laitheamhail, agus maith dhuinn ar b liacha amhail mhaithmaoidne gar bfeic heamhnuibh, agus na leig a mbuaidhreadh sind, acht saor sind o olc : oir is leatsa an righe, aneart, agas a ngloir tre bhioth fior.

Tha e 'cur sios mar an ceudna modh beannach- adh luinge. Cha ruig sin a leas, a chur 'na chainnt fhein. Tha am modh mar so

Abradh an stiiiramaiche : Beannaichte gu robh

ar long Abradh each. Gu'm beannaicheadh Dia an

t-Athair i Stiur. Beannaichte gu robh ar long

Gu'm "beannaicheadh losa Criosd i. Beannaichte gu robh ar long Gu'm beannaicheadh an Spioradnaomh i. Ciod is eagal duibh is Dia an t-Athair leibh ? Cach. Cha'n eagal aon ni

Ciod is eagal duibh is Dia am Macleibh?

Cha 'n eagal aon ni

Ciod is eagail duibh is Dia an Spiorad

URNUIGH.

Cach. Stiur. Cach. Stiur.

Stiur. Cach. Stiur.

naomh leibh ? Cach. Cha'n eagal aon ni.

Urnuigh aig beannachadh luinge a' dol a dh' ionnsuidhnafairge- -"ADheuile-chumhachdaich, a thug clann Israel troimh an mhuir ruadh gu miorbhuileach, a thug lonas air tit a broinn na muice mara, agus a thearuinn Pol 'sa long o dhoimhneachd is o dhoinionn, saor sinne, agus glan sinn, agus beannaich sinn agus thoir dhuinn gaoithean fabharach gu cuan 's gu cala a reir do thoile fein.

Cha'n'eil ni idir a's cumanta na daoine bhi deanamh urnuigh, 's gun fiuthairaca ri freagradh. Cha'n aidicheadh iad fhein sin, 's ma dh' fhaoite gun cuireadh e iongantas orra nan abradh tu riu e, ach is e smior na firinn a ih' ann. Nach minic a chuala tu duine ag innseadh dhuit mu uair air chor-eigin a fhuair urnuigh freagradh, mar gu'm bu rud neo-chumanta agus anabarach neonach a bh' ann ! Gu de a's ciall d'a sin ach nach 'eil fiuthair aig daoine 'm bitheantas ri freagradh ged a bhios iad ag urnuigh. Nam bitheadh, cha'n e na h-uairean a fhuair iad freagradh a chuireadh iongantas orra, ach na h-uairean nach d' fhuair. Tha moran ag urnuigh air sgath a' chleachdaidh, gun fiuthair ri freag- radh, 's nan tigeadh freagradh a dh' aon ruith, chuireadh e ioghnadh cho mor orra, 's nach rachadh stad air am beoil gus am biodh fhios aig a h-uile duine 's a' choimhearsnachd air.

Is e ar n-urnuighean a tha 'gar cumail dluth ri Dia agus is ann o dhluths ris-san a tha soirbh- eachadh spioradal a' toiseachadh Feumaidh creidimh a bhi beo ma'n dean e maith sam bith dhuinn, 's cha ghabh creidimh cumail beo gun urnuigh. Is e urnuigh an soitheach leis an tog sinn saoibhreas neimh. Is e urnuigh an ceangal a' tha eadar laigse 'n duine agus cumhachd Dhe. Bha cho mhaith dhuinn feuchainn ri deanamh as eugmhais Dhs ri deanamh as eugmhais urnuigh.

Tha urnuigh ni's fhasa do chuid na tha e do chuid eile. Direach mar a iha cuiid ann aig a bheil cluas chiuil o'm breith, 's cuidaig nach 'eil, tha daoin' ann aig a bheil spiorad na h-urnuigh o'n oige. Tha daoine ann aig a bheil gibht na spioradalach o'n oige ann an tomhas cho mor 's gun cuir iad car de dh'fharmad oirnn. Ach mar a d'thug Dia a leithid sin do nadur dhuinne, deanamaid a' chuid a's fhearr do'n nadur a th'againn. Gabhaidh urnuigh ionnsachadh. Is ann uigh ar n-uigh a dh'ionnsaicheas paisde bruidhinn. Esan a theagaisgeas dha fhein urnuigh a dheanamh mar dhleasdanas, cha'n fhada gus am bi urnuigh dha 'na sonas.

Tha cuid an duil nach 'eil feum sam bith ann do dhaoine neo iompaichte a bhi 'g urnuigh. Cha'n'eil fhios agam c'aite 'n d' fhuair iad am beachd neonach sin, ach co-dhiu cha 'n ann anns a' BhiobulL Eisdidh Dia ri urnuigh

dhurachdach co dhiu a tha i tigh'nn o chridhe peacaich na o bhilean naoimh. Nan abraimead atharrachadh, bhitheamaid a' deanamh Dhe cho beag rinn fhein. Bhitheamaid a' toirt air falbh a mhaise. Cha robh peacach riamh cho deas gu iarraidh 's a tha Dia gu freagradh. Chi e 'n urnuigh fad as, 's thig e 'na comhthal.

Air. 11.

1907.

BRON CHRIOSD.

Mo £>hia, mo Dhia, carson a threig thu md- Matt 2746.

EH, Eli, law a ^azabhtani. Bhiodh gradh againn do'n fhacal so, ged nach biodh reusan sam bith air ach gu bheil sinn cinnteach gu'n do chleachdadh e an toiseach air bilean a's naoimhe no ar bilean-ne. Cha' n 'eil moran fhacal anns an Tiomnadh Nuadh mu'm faod sinn a radh gur h-iad na ceart fhacail a labhair Criosd. B'e cainnt na duthcha Aramaic, 's tha an Tiomnadh Nuadh ail a' sgriobhadh ann an Greugais. Cha 'n 'eil againn leis a sin ach eadar-theang- achadh air briathran Chriosd. Ach tha facal no dha air am fagail anns an doigh an do labhradh iad an toiseach, agus is e fear dhiu sin Eli, Eli, lama 'azabhtani. Tha sinn an comain Mhata gu'n doghleidh e air chuimhn' e, 's gurh-urrainn sinn a radh Labhair bilean Mhic Dhe an dearbh fhacal so.

Seachd uairean thog Esan suas a ghuth an uair a bha e air a' chrann-ceusaidh. Is e so an ceathramh facal a labhair e, agus mar an ceudna am facal a's doimhne. Tuigidh sinn gu de bha 'na inntinn an uair a rinn e 'n uirnigh Athair thoir maitheanas dhaibh oir cha 'n 'eil fhios aca ciod a tha iad a deanamh. Ach cha 'n 'eil sinn idir cinnteach gu bheil sinn a' tuigsinn, no gu'n do thuig duine riamh, gu de bha Esan a' ciallachadh 'nuair a ghlaodh e ann an eigin anma Mo Dhia, mo Dliia, carso?i a threig thii 7in ? Tha am facal so cho domhain 's nach grunnaich sinn ann, cho ard 's nach ruig sinn air. Tha e, mar gu'm b' eadh, a' nochdadh cridhe Dhe dhuinn, ach cha 'n fhaic sinne ach gu dorcha tre ghloine. Tha e 'gar toirt aghaidh ri aghaidh ri diomhaireachd na diadhachd. Cha 'n 'eil duine air an t-saoghal cho suarach 's nach fhiach eisdeachd ris, an uair a dh'fhosglas e 'chridhe. Ach nach motha gu mor a tha sin fior, an uair a dh' fhosglas Mac Dhe a chridhe 's a chuireas e cainnt air faireachduinnean anma.

Shineadh losa air a' chrann mu naoi uairean 'sa mhaduinn. Mu mheadhon la thug Eoin air falbh a mhathair, 's ged nach 'eil e air a' radh leis na soisgeulaichean, is docha gur h-e Criosd a dh' iarr air sin a dheanamh. Tha sinn an duil gu robh e 'na bhoinne anns a' chupan a dh'ol Esan an goirteas a bha 'na chridhe a chionn gu robh Muire a' faicinn fhulangais. Mu thri uair- ean 'san fheasgar, chual iadsan a bha dluth do'n

chrann-ceusaidh an guth Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi Tha am facal air a' sgriobhadh anns an dara salm far an fhichead. An uair a thainig an Namhaid 'ga ionnsuidh anns an fhasach thubhairt e Cha'n ann le aran a mhain a thig duine beo, ach le gach uile fhacal Dhe. Bha gradh aig losa do na sgriob- tuirean, 's le facal Dhe bheathaich e anam fhein re a chuairt air thalamh. Bha am facal sin 'na sholus 's 'na neart dha, 's a nis an uair a bha 'chorp air a' chrann, bha 'n t-salm 'na chridhe. Chuir e fhaireachduinn fhein anns na seann bhriathran air an robh e cho eolach Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? Gu de is ciall da ? Gu de am fiosrachadh a tha fo na facail sin ? Gu de an eigin anma air a' bheil iad a' cur cainnte? Ma dh' fhaoite nach urrainn sinn gu brath a thuigsinn oir b'e sin nadurDhe a rannsachadh gu h-iomlan ach faodaidh sinn ar brogan a chur dhinn 's dol a steach do'n ionaid naomh le urrara, 's mar a ruig ar reusan air freagradh, gheibh ar cridheachan soluim- teachd is irisleachd.

Cha ' n e gealtachd a bli air Criosd ri aghaidh bais. Cha robh eagal air roimh phian cuirp. Bha e 'na chleachdadh aig comunn de mhnath- an caoimhneil ann an lerusalem, deoch a mheasgadh 's a thoirt dhaibhsan a bh'air an cur gu bas le ceusadh, gu bhi 'toirt uapa am fair- eachduinn, 's a lughdachadh an craidh. Thairg- eadh an deoch sin do Chriosd, ach dhiult e oL Ged a dh' fhuiling e plan mor, cha b'e eagal roimhe a tharruing an glaodh so o anam Ma Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? Nam b'e, dh' fhaodadh a naimhdean a radh gu'n do ghiulain a sheirbhisich iad fhein ri aghaidh gabhaidh na bu mhisnicheile no am Maighstir. Tha e air a' radh mu'n Naomh Aindreas gu'n do theagaisg e 'n sluagh fhad 'sa bha e sinnte air a' chrann-ceusaidh. Is iomadh a h-aon de na martaraich a chaidh an coinneamh bais le aoibh- neas 'nan cridhe, 's fonn nan salm air am bilean. Ann an teis meadhoin an teine b' urrainn daibh a radh Cha 'n 'eil mi 'nam aonar oir tha 'm Athair maille rium.

Cha do ghiulain e fearg Dhe. Bidh daoine bruidhinn air bron Chriosd mar gu'm b'e a bu reusan dha, gu'n do las corruich Dhe an aghaidh a' Mhic an uair a sheas e ann an aite pheacacb, Cha 'n 'eil sin air reir nan sgriobtur. Cha robh Dia riamh ann an gruaim ri Criosd, oir ciamar a b'urrainn fearg a bhi air an Athair an aghaidh a' Mhic anns an robh a mhor thlachd. Cha. robh am Mac riamh cho gradhach 's cho luach-

42

Tnhor ann an suilean an Athar 's a bha e 'nuair a leigeadh air a' chrann e umhul gii has. Thainig Esan a dheanamh toil an Athair; b'e toil an Athar gu'n leigeadh e sios a bheatha, 's bhiodh e gle iongantaCh nam biodh fearg air Dia ris anns an dearbh uair sin anns an robh e a' deanamh a thoile.

Cha robh Criosd air a mhealladh an uair a ihuirt E Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi? Their cuid nach do threig an t- Athair am Mac idir, ach gu'n do chaill am Mac a chreidimh car uine bhig, 's gu'n do shaoil e gu'n do threig Dia e. Tha sin car coltach, gu son- ruichte 'nuair a chuimhnicheas sinn gur h-iomadh uair a bhios daoine diadhaidh, 'nuair a thig bron mor, no trioblaid, no pian nan caramh, an duil gu'n do threig Dia iad, 's a labhras iad briathran ann an am an caraid nach abradh iad a rilhist air son an t-saoghail. Ach ma bheachdaicheas sinn air a' chuis na's doimhne chi sinn nach 'eil sin ach a' deanamh an dorchadais ni's duirche. Tha e 'na aidmheil gu robh Criosd air a mheall- -adh, 's gu'n do chuir e as leth an Athar a bhi ■deanamh rud nach do rinn E idir. Co a ghabh- adh air fhein a leithid sin a radh? B'aithne do 'n Mhac an t-Athair mar nach b' aithne do na naoimh, no do na faidhean no do na h-Abstoil e, 's nuair a tha e 'g radh ni sam bith mu'n Athair feumaidh sinn gabhail ri fhacal air ■cho duilich 's cho diomhair 's gam bi e. An uair a tha Criosd ag radh AIo Dhia, mo Dhia, xarson a threig ih u mi ?, faodaidh sinn a bhi ■cinnteach gu'n do labhair e ni a bha fior 's gu'n do chaill e sealladh air gnuis Dhe da riteadh.

Tha e moran ni's usa innseadh an ni nach robh Criosd a' ciallachadh na tha e radh gu de a b' aobhar do'n bhron anma so. Tha inntinn rnhic an duine beag, 's tha diomhaireachd na diadhachd mor. Cha 'n aithne dhuinn ach ann an cuid. Bha ni eigin 'na bhas-san a tha 'ga dhealachadh o bhas dhaoin' eile. Dh' f hiosraich e uamhas air chor-eigin nach d' f hiosraich neach roimhe no na dheigh. Shiubhail e air rathad ■iiir nach do choisich cas, 's nach faodar a lean- tuinn. ShaJtair e an t-amar-fiona na aonar h xle na sloigh cha robh aon neach maille ris. Ghiulain e peacadh an t-saoghail 'na chorp fein air a' chrann, agus is e h-aon de thoraidhean a' -pheacaidh dealachadh o Dhia Dh' fhairich an .^lanuighear an dealachadh sin, chaill e a cho- chomunn ris an Athair, 's bha sin 'na leithid de shaighead 'na anam 's gu'n do ghlaodh e 'na eigin Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig this mi? Is e Dia grian an anma, 's bha Criosd a' gluasad cho dluth ri Dia ann an laithean fheola ''s nach do chaill e riamh solus na greine, ach an uair a bhlais e am bas sin a's e tuarasdal a' pheacaidh, chaill e sealladh air aghaidh Dhe agus do dhuine naomh is e call lathaireachd

Dhe olc a's truime agus buille a's goirte a's urrainn tigh'nn 'na charamh. Fad a bheatha b'urrainn e radh Is e mo bhiadh 's mo dheoch, toil an Athair a dheanamh Cha 'n 'eil mi 'nam aonar, tha 'n t-Athair maille rium, ach a nis air dha bhi air a dheanamh 'na mhallachd air ar son-ne, 's ar peacanna-ne a ghiulan 'na chorp fhein, b' eigin dha dol troimh ghleann a' bhais 'na aonar, as eugmhais na lathaireachd sin a bha daonnan maille ris 's a bha dha 'na bheatha 's 'na sholas. Faodaidh sinn da ni fhoghlum uaith so

(i) Gradh an t-Slanuighear ann a bhi fulang fiosrachadh anma cho goirt airson a bhraithrean. Olcas a' pheacaidh ann a bhi sgaradh an duine bho Dhia a' chumhachd uamh- asach a th'aige air milleadh, 'nuair a thairngeas e 'n glaodh o 'n anam Mo Dhia, mo Dhia carson a threig thu mi?

(2)

AM bAs.

Tha fhios againn nach b'urrainn sinn dad iir a radh air a' chuspair so, ged a dh' fheuchamaid ri sin a dheanamh. Ach cha'n ann gu bhi 'g radh nithean lira tha sinn a' deanamh iomraidh air, ach a chionn gu bheil sinn cinnteach nach mor d'ar luchd leughaidh nach d' fhiosraich cheana 'nam beatha fhein a bheag no mhor de dhorchadas 's de ghoirteas a' bhais. Cha mhor theaghlaichean a thainig gu aois nach fhaca am bas a tigh'nn a dh' ionnsuidh an doruis; agus fada ma ruig duine feasgar a bheatha, bidh an dara leth d'a chairdean air taobh thall na huagha.

Chaidh moran a labhairt 'sa sgriobhadh mu'n bhas ach tha e fhathast 'na dhiomhaireachd mhor. An uair a dh' fhagas an l-anam an corp, gu de tha tachairt? C aite bheil an t-anam a' dol ? Tha leabhar nan ceist ag radh gu bheil anma nan creidmheach air an deanamh iomlan ann an naomhachd aig uair am bais, 's gu bheil iad 's an uair sin fhein a' dol a steach do ghloir. C'aite bheil anma nan aingidh a dol? A' bheil an dealachadh air a dheanamh aig uair a' bhais no an toirear a mach am binn gu la a' bhreith- eanais? An uair a thilgeas duine 'n deo, gu de an seorsa saoghail a tha fosgladh roimhe? C'ait a bheil e 'faotainn aite comhnuidh anns a' chruthachadh? A bheil cuimhn' aige air na dh' fliag e 'na dheigh, no a' bheil dealachadh tur eadar an da shaoghal. Gu de nadur na staid sin eadar am bas 's an aiseirigh ? Ma dh'eireas an corp 's gu'm bi e air aonadh ris an anam, c'aite bheil an t-anam fhad 'sa tha 'n corp san uaigh, no gu de nadur na beatha th' aige? Tha

43

lomadh ceist de'n t-seorsa sin a thig gu ar n-inn- tinn an drasd 'sa rithist, ach cha'n 'eil a' bheag de sholus ri fhaotainn Ged a sheol na miltean ■o chladach an t-saoghail so, 's a rainig iad an taobh eile, cha do chuir iad riamh guth air ais a dh' innseadh dhuinne mu'n cor. Am b' urrainn •dhaibh sin a dheanamh? Nam b'urrainn, gu de a's coireach nach do rinn iad e ? Bha Lazarus ■ceithir laithean ann a staid a' bhais, ach ged a thill e air ais, bha 'bhilean duinte. Ma bha dad .aige ri innseadh, chum e air fhein e.

Cha d' thuirt Cviosd moran mu bhas a' chuirp. Is ann mu bhas eile a b'u trice labhair e. Cha robh ann am bas a chuirp 'na shuilean-san ach •cadal ni a tha nadurra gu leoir. Tha e fior gu bheil an samhladh sin ri fhaotainn ann an litreachas fada roimh latha Chriosd, ach ma tha, bha na daoin' a chleachd e a' ciallachadh leis cadal gun dusgadh cadal a mhaireadh fad na linntean siorruidh. Cha b'e sin a bha Esan a' ■ciallachadh 'nuair a thuirt e mu'n nighinn oig cha'n 'eil i marbh, ach tha i 'na cadal 's a thuirt e mu Lasarus Tha ar caraid Lasarus 'na ■chadal, ach a ta mise 'dol chum gu'n duisg mi as a chadal. Tha an Tiomnadh Nuadh a' labhairt mu'n bhas mar chadal cho bitheanta 's gu'n d'thuirt an naomh Augustine an uair a bheachdaich e air an rud Carson a theirear gu bheil iad 'nan cadal, ach a chionn gu'n duisg iad ann an la an Tighearna.

Tha dorchadas cho tiugh mu'n bhas 's gu'n tugadh duine a mhaoin uile nan ceannaicheadh sin dha solus. O thoiseach an t-saoghail bha reusan an duine a' gleachd ris a'cheist mhoir so. Thuirt Socrates o chionn nan ceudan bliadhna na's urrainn inntinn an duine ruigheachd air 'na neart fhein Dhomhsa tha'm bas air orduchadh agus dhuibhse beatha, ach co dhiu a's fhearr, is ann a mhain aig Dia tha fios. Ach o laithean an duine ghlic sin, thainig solus a dh'ionnsuidh an t-saoghail. Labhair Mac Dhe ruinn, 's thug e dhuinn am facal priseil sin JNa biodh 'tir iridhe Jo thrioblaid^ ann an tigh ;«' athar sa tha iomadh aite comhnuidh : far am bi mise bidh sibhse mar an ceudna. Nach iomadh mile anam da'n robh na briathran so 'nam beatha 's nan neart, a' toirt a' ghath as a bhas, 's a' tionndadh Righ nan uamhas gu bhi 'na aoibhneas, 's cha- nann 'na eagal, a chionn gu robh iad cinnteach, air dhaibh a bhi air choigrich as a' choluinn gu'm biodh iad maille ri Dia. Cha'n 'eil am BiobuU ag innseadh moran dhuinn mu staid nam marbh, ach is leoir na tha e 'g innse lad- san a chaidkas ann a7i losa bheir Dia maille ris. Tha iad comhla ris-san. Tha iad air an gleidheadh 'na churam-san. Cha bhris am bas an ceangal a bha eadar an t-anam is Dia anns a' bheatha so. Is beatha shiorruidh a' bheatha tha Criosd a' buileachadh orrasan a chreideas

ann, 's ged a thuiteas an cuirp do'n uaigh cha bhean am bas ris a' bheatha sin. Cha 'n 'eil cumhachd aige thairis oirre. Tha i maireannach mar bheatha Dhe.

Tha aon de na seann diadhairean ag radh gu'm bu choir do dhaoine am bas a ghleidheadh fa chomhair an inntinn a h-uile mionaid de'n latha. . Cha'n 'eil sinn 'an duil gu bheil e ceart. Ma dh' fhaoite gu'n deanadh e maith do chuid, ach dheanadh e olc do chuid eile. Bhiodh e dhaibh na leithid de thruime 's nach b' urrainn dhaibh an obair a dheanamh. Ach air a shon sin, cha bu choir do dhaoine an smaoin a chur uapa uile gu leir. Tha 'm bas na ni cho cinn- teach 's cho soluimte 's gu'm bu choir dhuinn ar n-inntinnean a chleachdadh ris gu bheil e air thoiseach oirnn uile. Cha'n 'eil sin furasd a dheanamh. Tha sinn cho di-chuimhneach. Leughaidh sinn na briathran, 's eisdidh sin riutha an uair a leughas duin' eile iad Tha gach uile fheoil mar fheur, agiis uile ghloir dhaoitie mar bhlath a7i fheoir., ach cha 'n 'eil iad a' dean- amh greim air ar cridheachan. Bhiodh e gu buanachd dhuinn nan abramaid ruinn fhein Tha sin fior mu'm bheatha-sa, tha mo laithean a' dol seachad mar shruth 's cha'n fhada gus an cruinnich cairdean gu bhi 'g iocadh dhomh an dieasdanas deireannach mar a rinn mi fhein cheana do mhoran eile.

Ged a tha 'm bas na ni caomhal do mhoran, tha e 'na chuis eagail do chuid eile. ladsan aig a bheil fiuthair gu'n coinnich caraid iad air taobh thall na h-aibhne, cha'n 'eil iongantas ged a dhunadh iad an suilean ann an sith, 'sa rach- adh iad an coinnearah na namhaidh dheireann- aich gun fhiamh, gun eagal.

Ach mur 'eil an dochas sin aig duine 's mur h-urrainn e a radh Tha fhios again co ann a chreid mi, tha 'm bas 'na ni searbh. Is e am peacadh gath a' bhais, 's mur eil companach aig duine an uair a tha e fagail an t-saoghail ach a pheacanna fhein, an ioghnadh ged a bhiodh eagal air, 's ged nach biodh fois aig a spioraid. Tha an t-aingidh mar mhuir buairte nach gabh fois. Ann an stri ar beatha, aig uair ar bais, 's ann an la a' bhreitheanais, a Thighearna, cuimh- nich trocair I

AN SEANGAN.

Ged a mholas luchd teagaisg an seangan cha 'n 'eil ro mhoran meas againn fhein air a' chreutair bheag sin. Cha 'n 'eil sinn ag radh nach 'eil e cho glic 'sa chuirear as a leth, ach ma's maith ar barail, cha 'n 'eil sin an ain fhios dha fhein. Tha sinn an duil gu'n cual e air doigh air chor- eigin gu de a thuirt Solaimh uime, agus o'n latha fhuair e teisteanas o laimh an righ, tha e cho

44 '

uaibhreach, ard-inntinneach 's ged nach robh duine no beathach a rinn riamh obair latha ach e fhein. "Amhairc air an t-seangan, a leisginn; thoir fa'near a shlighean agus bi glic; aig nach 'eil fear-seolaidh, fear-amhairc, no riaghlair; a dh'uilluicheas a bhiadh 'san t-samhradh agus a chruinnicheas a theachd an tir'san fhogharadh."

An uair a bha sinn anns an sgoil Shabaid theapadh arbodhradhlecliu an t-seangain. Cha robh latha nach bidhte 'ga choimeas ruinn fhein, agus daonnan is e an seangan a gheibh- eadh a' chuid a b' fhearr. Chuala sinn a leithid de dh' iomradh air a dhichioll is fhearas-tighe 's gu'n do ghabh sinn seorsa de ghrain air. Bhiodh e 'na thoileachadh dhuinn a chluinntinn gu robh eadhoin aon fhailing fuaighte ris. Cha robh sinn an duil gu robh feum sam bith anns a' chreutair shuarach, ach gu bhi 'ga thilgeil air cloinn. Cha do rinn an seangan dad cearr riamh cha deachaidh e riamh air cheilidh o mhoch gu anmoch dh' obraicheadh e cha bhiodh e mionaid 'na thamh cha robh e riamh gun a leasan; ma chual sinn sin aon uair chuala fichead uair 'san t-seachduinn gus mu dheireadh an d' fhas sinn car sgith do'n t-seangan dean- adach, grunndail, glic, saoghalta 's ga bheil e.

Ach tha seangain is seangainn ann. Tha cuid dhiu, gun teagamh, 'nan creatuirean dichiollach, a' cosnadh an loin le fallus an gruaidhe, ach tha seors' eile dhiu cho leasg, diomhanach, 's nach b' urrainn do luchd teagaisg, gu coguiseach, iarr- aidh air an oigridh an eiseimpleir a leantuinn. Cha dean iad car obrach, 's gach latha de'm beatha feumaidh gille bhi 'nan cpis. Faodaidh nach h-e 'n leisg a's coireach uile gu leir, ach an t-uabhar. Tha seorsa sheangan ann a th 'air an cur a mach mar shaighdearan. Is ann aca-san a tha an nead ri dhion o naimhdean 's o mheir- lich. Ni iad cogadh, ach cha'n fhiach leo dad eile a dheanamh. Eadar an leisg 's an t-uabhar, cha chuir iad an lamh ri obair sam bith ach cogadh. Cha ghlan iad an tigh, cha siubhail iad airson bidh, cha toir iad aire do na seangain bheaga, cha ghabh iad am biadh gun seirbhisich a bhi frithealadh dhaibh. Direach mar a b' abhaist do na daoine geala deanamh air na daoine dubha, beiridh na seangain chogaidh air truaghain bheag eile, 's le lamhachas laidir bheir iad orra bhi 'nan traillean dhaibh. 'N uair a gheibh h-aon de na trailleau am bas tha na saighdearan cho uaibhreach 's nach ruig iad leo a bhi air an tiodhlacadh 's an aon chlaodh riutha fhein. Air iomadh doigh tha na seangain gle choltach ris na daoine, 's nan robh fhios againne 'nuair a bha sinn 'san sgoil shabaid air gnaths nan creatuirean sin mar a th' againn an diugh cha ruigeamaid le ar luchd teagaisg uiread de bhoilich a dheanamh umpa. Ma's fior na theirear ni iadsan cluich cho iollagach 'sa ni cuid dhiu obair, 's neo ar thaing nach toigh leo dan n sad h.

NA SAILM.

Ann an leabhar nan salm tha gach seorsa ciuil a's urrainn tigh'nn a cridhe 'n duine, 'nuair a tha lamh Dhe a' beantail ris na teudan. A' bheil leabhar eile 's an t-saoghal coltach ris? Cha luidh aois air, 's tha e na mhanna iir do na miltean cridhe an diugh an de is gu siorruidh. Cha 'n 'eil staid anns am bi an t-anam, nach 'eil ni air chor-eigin freagarrach dha anns na Sailnu Ma tha e aoibhneach, co-fhreagraidh na sailm d'a ghairdeachas, 's ma tha e dubhach trom nach ann an cainnt nan salm a chuireas e 'n ceill a bhrbn. Is e na sailm leabhar-urnuigh is leabhar-molaidh a chinne-daona. Tha iad 'nan sgathan anns a faic an duine 'chridhe fhein. Tha iad a' cur ann an cainnt smaointean is faireachduinnean a tha cumanta dhuinn uile ach do nach b' urrainn sinn teangadh 'thoirt. Is e na sailm cainnt mhathaireil a' chridhe. Aig breith is baisteadh is posadh is bas, seinnear na sailm. Cha bhuin iad do dh' eaglais seach eaglais, do dhuthaich seach duthaich. Faodaidh Prostanach is Papanach breith air laimh air a cheile trasd air leabhar nan salm. Cha'n aithne dhaibh eadar dhealachadh creud. Tha iad cho farsuinn ri cridhe Dhe. Nan tigeadh Papanach a steach do dh' aon de na tighean aoraidh Prostanach is docha nach cordadh an searmon ris, 's ma dh'fhaoite nachbu toigh leisarlaoidhean, ach 'nuair a sheinnte na sailm bhiodh e aig an tigh. Bhiodh iad dhafan 'nan Ion cho mhaith 's a tha iad dhuinne. Tha iad nan sgiathan air an eirich an t-anam suas gu Dip.

AN INNTINN LAGHAIL.

Ged is maith an ni ceartas faodaidh duine iodhal a dheanamh dheth. Chuala mi iomradh air duine a bha anabarach curaraach mu litir an lagha. B'e an aon sgriobtuir aige Thugaibli do na h-uile an dlighe fein. La air chor-eigin dhichuimhnich e e fhein cho mor 's gu'n do nochd e trocair do cho-chreutair bochd, 's chuir an gniomh sin a leilhid de naire air, 's gu'n do chuir e lamh 'na bheatha fhem. Saoilidh sinn cu bheil an rud eucomasach, ach tha cuid de dhaoin' ann a tha cho cruaidh orra fhein 'nuair a theid iad as cionn ceartais 's a bhitheadh iad nan rachadh iad foidhe. Litir an lagha gun leth an oirlich taobh seach taobh— is e sin an aon ni a's maith leotha. Ni iad an ni a tha ceart ach cha dean iad an gniomh trocaireach. Bheir iad dhuit an tomhas ach cha toir iad dad leis a' bhargain. Nach bu bhochd cor an t- saoghail nan robh 'n inntinn laghail aig Criosd. Tha Esan ceart a chionn gu bheil e trocaireach. Is e trocair a's airde na ceartas. Ni trocair gairdeachas an aghaidh breitheanais.

Air. 12.

1907.

AN T-OLLA BLARACH.

Xe bas an 011a Bhlaraich chaill Eaglais na h-Alba ministear maith, is chaill a' Ghaidheal- lachd deagh charaid. Cha mhor de mhuinntir na Gaidhealtachd do nach b' aithn' e, 's cha mhor mhinistearan a fhuair riamh meas is gradh ^ luchd-duthcha mar a fhuair esan.

Bha e tri fichead bliadhna 'sa deich a dh' aois, s bha e da fhichead bliadhna 's a' mhinistreil- eachd. Bha e bliadhna 's an Tairbeart, tri bliadhna deug an Glascho, deich bliadh- na an Cambuslang, is coig bliadhna deug an Duneideann. Anns gach ait' an robh e riamh air a shuidheachadh rinn e obair mhaith, ach is e na bliadhnachan a chuir e seachad ann an Glascho a tharruing 'ga ionnsuidh aire na h- eaglais, ^sa choisinn dha deagh ghean agus gradh nan Gaidheal. Cha 'n 'eil ioghnadh ged a bha meas ac' air. Bha e 'na shearmonaiche durachdach, 's 'na aodhair dichiollach. Bha chridhe farsuing 's a lamh fialaidh. Bha e deas gu freasdal a dheananih air daoine bhiodh 'nan eiginn, 's bha thigh 'sa phoca daonnan fosgailte. Cha bu leisg leis dragh a ghabhail as leth luchd duthcha a bhiodh air dhroch caramh 'sa bhaile mhor. Bha e da rireadh 'na dhuine coir, 's bha flath 'na aodann a bheireadh togail cridhe dhaibhsan a rachadh a dheanamh an gearain ris.

Ged nach robh e 'na sgoileir Gaidhlig, cha mhor dhaoine labhradh cho fileanta 's cho blasda ris. Shaoileadh Gaidheal Ghlascho nach biodh an coinneamhan caidreach ceart mar a biodh an T-OUa Blarach am measg na cuideachd. Bha e Ian de dh' fhearas-chuideachd, b' aithne dha gu maith a luchd duthcha, 's cha do chuir e riamh airfalbh iad diumbach. 'Nuair a chluinnte gu robh e dol a bhi searmonachadh an Glascho, fad an deigh dha eaglais Chalum-cille fhagail, bhiodh an eaglais 'sam bitheadh e Ian. Rachadh na Gaidheal 'ga eisdeachd 'nan ceudan. Ann an comhairle na h-Eaglais bha fhacal a' dol gu maith fada ann an nithean a bhuineadh do'n Ghaidhealtachd. Ged a chuir e seachad a chuid a bu mhotha de bheatha 'san taobh a deas, a' frithealeadh de choimthionailean Beurla, is ann mar shearmonaiche Gaidhlig a b' eolaiche an duthaich air, agus is e obair airson na h-eaglais anns a' Ghaidhealtachd a choisinn dha meas is cliu. O chionn bliadhna no dha bha e air a mhonmur nach b' fhada 'n uine gus am biodh e air a ghairm gu caithir an Ard-Sheanaidh. Bha e 'na mhinisteir maith, 'na charaid caomh.

's na dhuine diadhaidh. Dh' fhiosraich e dill- eachdain agus banntraichean 'nan trioblaid. Is iomadh cridhe leigheis e, agus a nis tha iomadh cridhe anns gach cearn de'n duthaich air a ghoirteachadh le naigheachd a bhais. Is fhada bhios cuimhne air an duine bheannaichte.

AN SAOIBHREAS CEART.

Fhuair an duine saoibhir bas. Luke xvi., 22.

Carson a labhair Criosd an cosmhalachd so? Chuir an soisgeulaiche Lucas sios e as deigh cosmhalachd an stiubhaird eujoraich, agus tha e gle choltach gu'n do rinn e sin a chionn gu robh e'n duil gu bheil ceangal air choreigin eadar an da chosmhalachd. Tha cheud chosmhalachd a' teagasg gur h-urrainn daoine feum mor a dheanamh de shaoibreas, 's tha 'm fear eile teagasg gur truagh a bhios cor nan daoine a ni dearmad air feum maith a dheanamh de 'n mhaoin a fhuair iad. Rann no dha roimhe so labhair Criosd na briathran An ?ii si?i a ta ro mheasail aig daoine, is graineileachd e am fianuis De, agus cha b' urrainn searmon a bhi air a' labhairt o'n cheann teagaisg sin a bu drudhtiche na'n cosmhalachd so. Agus an uair a leughas sinn e thig na briathran gu'r n-inntinn Ciod an tairbhe bhiodh ann do dhnine, an saoghal uile chosnadh agus anam fein a chall.

I. Cha 'n 'eil an cosmhalachd so a' toirt dliuinn foillseachadh air a' bheatha ta ri teachd. Tha e nadurra gu'm biodh iarrtus aig daoin' air eolas fhaotainn mu'n t-saoghal eile, facal cinnteach a chluinntinn mu thimchioll staid nam marbh. Tha cuid an duil gu bheil am facal sin againn anns a' chosmhalachd so. Ach cha 'n 'eil e furasd a chreidsinn gu bheil sin fior, ged a thug cuid de na h-Athraichean gnuis do'n bheachd. Ma thuigeas sinn gu litireil an lasair anns an robh an duine saoibhir air a phianadh, feumaidh sinn broilleach Abrahaim a thuigsinn gu litireil mar an ceudna, agus an comhradh a bha eadar e fhein agus an duine truagh. Ma tha sinn an duil gur h-e bha Criosd a' ciallachadh leis a' chosmhalachd so, dealbh a tharruing air staid nam firean is staid nan aingidh, feumaidh sinn a chreidsinn gu bheil neamh is ifrinn cho dluth d'a cheile 's gur h-urrainn luchd aiteachaidh an dara h-aite seanchas a dheanamh ri luchd ait- eachaidh an aite eile, 's gur h-urrainn na naoimh truaighe nam peacach fhaicinn, agus na peacaich

46

sonas nan naomh. Ged a tha ar cridheachan cruaidh is neo-chaomhal gu leor, cha 'n 'eil a h-aon againn cho dona 's nach cuir cradh is bron is trioblaidean ar co-chreutairean air thalamh dragh oirnn. Cha 'n 'eil sinn cho feineil 's nach mill sealladh air cor bronach dhaoin' eile ar sonas. Bhiodh e, mata, gle neonach nam fasadh daoine ni bu chruaidhe 'nan chridhe an uair a theid iad do neamh, seach mar a tha iad air an talamh. Tha e duilich a chreidsinn gu'm bi daoine na's lugha truacantachd air neamh na tha iad air thalamh. Ciod air bith a tha'n cos- mhalachd a' ciallachadh cha 'n urrainn sinn a h-uile facal dheth a ghabhail gu litireil mar fhoillseachadh air a' bheatha ta ri teachd. Tha e, da rireadh, a' teagasg na firinn gu'm bi deal- achadh eadar leithid Lasaruis is an duine shaoibhir, 's gu faigh na h-uile air reir nan nithean a rinn iad 's a' bheatha so ach tha sinn an duil nach robh Criosd idir a' ciallachadh an cosmhalachd a bhi air a ghabhail mar dhealbh air staid nam marbh.

II. Thainig an duine saoibJiir gu crich hhochd a chionn gu robh a chridhe feineilis neo-chaomhal. Bha e 'na dhuine aig an robh gu leor de'n t-saoghal. Neo-ar-thaing nach robh nieas air airson a chodach. Dh' f haodadh e bhi 'na charaid do dhaoine bu mhi-fhortanaiche na e fhein, dh' f haodadh e buil mhaith a dheanamh de'n mhaoin a thug Dia dha. Ach air reir choltais cha do rinn e sin, cha robh smaoin aig' air duin' o'n ghrein ach air fhein, dh' ith e, 's dh' ol e, 's bha e subhach gun iomradh air na coimhearsnaich aig nach robh dad a dh' itheadh iad no chuireadh iad umpa. Bha Criosd airson okas a leithid sin de spiorad a theagasg d'a luchd eisdeachd, 's dh' innis e dhaibh mar a thachair do'n duine shaoibhir an deigh a bhais. An uair a dh' fhag e 'n saoghal chaill e na h-uile ris an robh a chridhe 'n ceangal, 's cha robh ann ach diol- deirce bochd air taobh thall na h-uagha. Tha ainm Lasaruis air a thoirt a steach do"n chos- mhalachd, cha 'n ann air a sgath fhein, ach a chum gu'n tilgeadh a naigheachd-san solus air neo chaomhalachd an duine shaoibhir. Cha robh lethsgeul aige. Cha b' urrainn e radh nach d' fhuair e cothrom air feum a dheanamh d'a mhaoin. B^e Lasarus coth}-om an duine shaoibhir. Ach cha do ghabh e 'n cothrom, dhearmad se e. Nan robh comas labhairt aig Lasaruis an t- saoghal, theireadh iad Bha sinn 'nar sineadh aig dorus an duine so, 's cha b' urrainn e dol a mach no steach gun ar faicinn, ach cha d' thug e riamh suil oirnn 's cha d' fheoraich e ar cor. Cha d' thuirt Criosd gu robh an duine so 'na dhuine aindiadhaidh, no gu robh e ciontach do pheacadh graineil sani bith. Is docha gu robh e car coltach r'a choimhearsnaich. Rachadh e do'n t-sionagog 's do'n teampull, 's choimhead-

eadh e 'n lagh mar a bha daoin' eile 'deanamh. Ach ged nach 'eil peacadh sonruichte sam bith air a chur as a leth, tha e soilleirgu bheil Criosd a' ciallachadh leis a' chosmhalachd so, gu robh cridhe 'n duine feineil is neo-chaomhal is cho cruaidh ri creig. Cha robh duin' air thalamh a b' urrainn a radh uime Bha acras orm is thug e dhomh biadh, no bha mi lomnochd is chomhd- aich e mi, no bha mi 'am priosan 's chaidh e 'gam amharc. Agus a chionn nach robh, chaidh a dhiteadh, 's a chuibhrionn a thoirt dha am measg na muinntir ris an abair an righ Gu deimhin a ta mi ag radh ribli^ a mheud ^s nach d' rinn sibh e do'n neach as lugha dhiubh so, cha d^ rinn sibh dhomh-sa e. Imichibh nam.

III. Is olc an ni, cridhe fuar is spiorad feineil. Tha iomadh firinn air a filleadh 's a' chosmhal- achd so agus iomadh leasan a dh' fhaodas sinn fhoghlum uaith, ach tha e gu sonruichte 'teagasg nach 'eil esan a' taisgeadh ionmhais dha fein air neamh nach 'eil a' deanamh feum ceart d'a mhaoin air thalamh a tha cosg a shaoibhreis gu feineil air fhein, gun smaoin air cor truagb dhaoin' eile. Cha deachaidh Lasarus do neamh a chionn gu robh e bochd ach a chionn gu robh spiorad ceart air a ghiulan a dh' aindeoin a bhochdainn. Cha deachaidh an duine saoibhir do dh' ifrinn a chionn gu robh e saoibhir ach a chionn gu robh spiorad feineil air a ghiulan a dh' aindeoin a bheartais. Cha do rinn e caraid do Mhamon. Cha robh e 'na dheagh stiubhard air an tiodhlac a thug Dia dha. Dh' fhaodadh an t-airgiod a bhi 'na mheadhon beannachd dha fhein 's do dhaoin' eile, ach 'na aite sin 's ann a bha e 'na mhallachd dha. Chruadhaich t 'chridhe 's rinn e feineil e. Dh' fhas e fhein reamhar 's leig e le Lasaruis an t saoghail a bli: cluich. Mar bu reamhra dh' fhas e, 's ann a b fhuaire dh' fhas a chridhe gus mu dheireadb nach robh blaths no caomhalachd ann na's motha na th'ann an cloich. Cha 'n 'eil sinn a ciallachadh gu'n coisinn duine neamh le bhi caoimhneil ri truaghain 's le bhi cuideachadh nam bochd. Tha diadhachd na's raotha na caoimhneas. Cha 'n'eil ann an caoimhneis ach pairt di. Tha beatha chreidimh a' gabhail a stigh iomadh gras eile thuilleadh air cridhe blath is lamh fhialaidh, Faodaidh duine a mhaoin uile chaitheadh chum na bochdan a bheathachadh 's gun tairbhe sam bith bhi ann dha. Ach ged tha sin fior, tha e fior cuideachd nach mor a's fhiach an diadhachd nach 'eil caomhal. Cha 'n 'eil i air reir intinn Chriosd. Bha blaths is caoimhneas is co-fhaireachduinn 'na chridhe-san. Mur 'eil a spiorad san agaiiin, cha bhuin sinn dha, agus b'e a spiorad-san caoimhneas a nochdadh do na h-uile, eadboin do na daoine neo thaingeil is olc. Tha 'n duine aig a' bheil cridhe fuar is feineil, fada fada o

?

■«1

1

I

i

47

rioghachd Dhe. Faodaidh e bhi glic gleusta, soirbheacliail, cliuiteach, ach theid na peacaich 's na cis-mhaoir a steach roimhe-san. Faodaidh sinn a bhi cinnteach gu bheil sinn ann an slighe ar dleasdanais 's a' leantuinn ann an ceumannan Chriosd an uair a leighseas sinn lotan Lasaruis. Cha tearnar duine mur 'eil a chridhe ceart, 's cha 'n 'eil an cridhe ceart mur 'eil e blath, is caomhal, is truacanta, is naomh. As eugmhais maitheas cridhe cha 'n 'eil sonas a bhos no shuas. Far nach 'eil an gradh, tha Criosd fada air falbh. Tha fhios againn, ars' an t-Abstol Eoin, gu'n deachaidh sinn thairis o bhas gu beatha, a chionn gu bheil gradh againn do na braithrean. An uair a thig am bas, is e an aon saoibhreas a's fhiach cridhe car coltach ri cridhe Chriosda.

MAIRI.

Tha Mairi agus sinn fhein min-eblach air a cheile a nis. Tha meas mbr aig a mhinisteir air Mairi, agus tha meas air Mairi aig a' mhinisteir. Ach cha b-ann gun fhios a tbachair e gu 'n robh urram aig an dithis ud d'a cheile. Cha ghabh- adh Mairi ri fear no ri te a bha be6 ach air aon doigh. No theagamh gu'n robh da dhoigh. Fear no bean, bg no scan, bochd no bearteach, cha chuala Mairi riamh an guth gun fuasgladh no cobhair a dheanamh orra. Bha Mairi mor ann am pearsa, agus bha a cridhe cho mbr r'a pearsa. Co dhiu a bha an t-eas-bhuidheach glic no amaideach dheanadh i fuasgladh nam b' urrainn dhi aig an am ; ach na'n robh an t-easbhuidheach bochd da rireadh 'am feum, moch agus fad' an latha, bhitheadh riin air a cridhe, agus bhitheadh a lamh a' toirt seachad na'n robh ni air bith aice a b' urrainn dith a' thoirt seachad no 'dheanamh. 'N uair a dh' fhas bean an tailleir mhoir tinn, thug Mairi leatha a paisdein dhach- aidh d'a tigh fhein agus ghleidh i na leanaban ann a sin gus an robh an cunnart seachad agus bean an tailleir air a casan a rithis. Ach an uair a bha dhi orra cridhe Mairi a' losgadh chuir- eadh na balaich, na peasainn, 'na cuimhne an uair a thug i dhachaidh leatha am balachan ceaird le 'chas bhriste; mar bu mhotha dhean- adh Mairi air fhein agus air an leabaidh a ghleidheadh 'an ordugh, b' ann direach mar sin a chuireadh esan an leabaidh agus na bh'innte troimhe-cheile : agus mar bu mhotha throideadh i ris, b' ann direach bu mho a bheireadh e beulais seachad di. B' f hada le Mairi an uair ud gus an robh an giobull luaineach air an rathad a rithis. Cha do leig Mairi air di-chuimhne gu luath mar thachair di fhein agus do'n bhalachan- cheaird, agus na'n leigeadh, bha muinntir eile deas gu leor a ghleidheil 'na cuimhne. Nach trie a thachair e riu-san a rinn caoimhneas ri muinntir eile gu'n d' fhuair iad fhein losgadh agus dragh, gun phaigheadh agus gun taing.

Ach CO dhiu, ged a bha iomadh dragh aig Mairi bha i direach cho deas fuasgladh a dhean- amh air an ath uireasbhuidheach bochd agus a bha i air an fhear mo dheireadh. B'e nadur e^ agus coltach ri Donnacha Ban 'n uair a bha e 'deanamh nan oran, cha robh arach aic' air.

Ach bha doigh eile air cairdeas a dheanamh i i Mairi ; agus cha robh fear no bean air a' bhaile nach robh gle eolach air so. Bu hheag air Mairi gach leisgein 's an aite. Throideadh i riu gus am bitheadh ntiire orra : bha a teanga cho geur ri siosar an tailleir a ghearradh birleach roimh' an fhaobhar. Chaineadh i iad, agus smadadh i iad: bhitheadh iad aice fuar agus teth uair mo seach, gus am bitheadh critheanan fuachd 'nan dromannan agus fallus air an gruaidh. Cha toirinn da sgilinn air fear sam bith a bha aon uair ann am beul Mairi agus nach robh naire air air a shon fhein riamh 'na dheigh.

Riu-san a bha deanamh an dichill bha i caird- eil blath-chridheach. B' iomadh sgeula bhochd a chual i, agus b' iomadh comhairle mhaith a thug i seachad, agus cha chuala duine beo facal riamh na dheigh. An naigheachd a chuala cluasan Mairi cha chuala duine riamh tuilleadh a 'beul. Bha i cho duinte ris na creagan fhein.

'N uair a thainig am ministear ur do 'n sgir- eachd thachair e ri Mairi mar a thachair e riu uile. Ged nach robh tigh Mairi ro mhor thug e fainear gu'n robh i fein agus gach ni air taobh stigh ballachan an tighe cho grinn agus cho speisealda ri prin' ur a' paipeir. Thug e an aire mar an ceudna gu'n robh da shuil gheura ag amharc a mach as a ceann, agus ged nach robh i ag radhtuinn ach beagan, bha i a' gabhail a stigh moran. Air an rathad dhachaidh chuir- eadh am ministear, an drasd agus a rithis, barr a bhata da oirleach anns a' ghrunnd mar gu'n robh e a pronadh tholl ann an claigeann Mairi feuch am faiceadh e no'n tuigeadh e a smuaint- ean. Ach cha do thuig am ministear Mairi an lath' ud, no iomadh latha na dheigh-sin. Cha do chleachd Mairi a bhi 'brosgul, agus ged a bha nis orra currachd ban, cho geal ris an t-sneachda, agus a fait cho liath ri caora, b' fheudar do Mairi faicinn cha'n e a bhain gu 'n robh iad dileas, dichioUach; ach 'nan gniomh agus 'nan caithe beatha, gu'n robh iad dileas dichiollach, mar an ceudna. Tha a dhoigh fhein aig gach h-aon againn agus co a gheibh- eadh coire do Mhairi nan robh i ri coigrich fuar duinte, 'n uair a bha i da rireadh o'n taobh a stigh caoimhneil, cairdeil, blath.

Ach ma bha am ministear 6g ann am bliadh- nachan, agus aineolach air moran do dhoighean na beatha so, bha e faicilleach, faighidneach. Ged nach b' urrainn dha tuigsinn ciamar a bha suilean Mairi cho dorcha, fuar, shaoil e gu'n robh a h-aodann uasal cairdeil, agus mar gu 'm b' eadh gu'n robh fiamh ghaire a' lasadh a suas air a gruaidhean an drasd agus a rithis: ach cha.

48

Tobh e idir cinnteach. B' ann air an aobhar so a bha e stobadh a bhata 'sa ghrunnd, no a' spreadadh nan dacha beaga a sud agus a so air a rathad dachaidh, mar a bha e a beachd- smuaineachadh air na chunnaic agus na chual' e an lath' ud.

Chaidh an iiine seachad. Bha Mairi 'na li-aite 's an eaglais air gach latha Sabaid, no co dhiu cho trie agus a b' urrainn dith: chuireadh i 'mach air an t-searmoin gle thric, ach bha i a' faicinn gu'n robh an duine 6g durachdach, agus air an aobhar sin theireadh i rithe fhein an -d^igh dol dachaidh 'Tuigidh e ni 's fearr mar a theid bliadhnachan thar a chinn.' Agus mar a thubhairt, b' fhior.

Mar a bha Mairi i fhein blath-chridheach a reir naduir: agus mar a bha i 'na gniomh gach latha, no co dhiu gach seachduinn, a' dean- adh fuasgladh air easbhuidheach air chor- «iginn, mar sin b' fheudar do gach aon air am bitheadh deadh bharail aig Mairi 'dean- adh air a mliodla cheudna. Cha robh fios aig a' mhinisteir air a so, ach ged nach robli bha e a' deanadh a dhleasdanais mar mhinisteir a' <3ol a mach agus a steach a measg a' phobuill mar a b' fhearr a b' aithne dha. Shaoil Mairi an toiseach nach leanadh so ach tacan beag. Ach ruith an iiine agus aig ceann na bliadhna bha an t-oganach cho dleasdanach, dichiollach agus a bha e an toiseach. Agus mar a dh' aidich Mairi, bliadhnachan na dheigh sin, ged nach d' innis i rianih do'n mhininisteir e fhein "Bu mhaith an latha dhuinne an latha a thainig esan do 'n sgireachd againne.

Mar a ruith na bliadhnachan thar ceann Mairi bha i a' fas lag, briste leis an t-seann aois. An ni nach b' urrainn dith fhein a dheanamh fhuair i muinntir eiie a dheanadh e air a son. Agus bu trie a bha am ministear 'na ghille- gnothuich o Mhairi, agus riamh air a sgath-san •cha robh aice aobhar gearain.

Faodaidhe bhith gu'n cluinn sinn an sgeul latha eile, ach an drasd, a leughadair, beannachd leat.

Ctintainn. A. C. MacIlleathain.

TEARLACH GRANND.

Ged nach robh Tearlach Grannd 'na shoisgeul- aiche feumar ainm a chunntas am measg nan <daoine a thug an soisgeul do na h-Innsean an Ear. Thug a' Ghaidhealtachd do dh' Africa <ieagh charaid ann an Daibhidh Mac a' Leigh 's thug i deagh chara'd do na h-Innsean an Ear, ann an Tearlach Grannd duine a tha airidh air ait' fhaotainn ann an cuideachd nan soisgeul- aichean sin, Carey, Afariyn, Heber, Wilson, Duff. Rugadh e ann an 1746, an sgireachd Urchad- -ainn ri taobh Loch Nis. Aig an am bha athair a mach leis a' Phrionnsa, ach roimh latha Chul- f hodair, fhuair e fhem is deich ar fhichead d'a chompinaich cothrom tigh'nn gu baile, chum an

leanabh a bhaisteadh. B'e sin am baisteadh. Thugadh ainm a' Phrionns' air an leanabh, shin na gaisgich an claidhean trasd air a' chreathail, 's thug fear as deigh fir dhiu air an leanabh, breith air a chlaidheamh mar chomharra air dilseachd do'n Righ dhligheach. Ach cha b' ann do chogadh a choisrig Tearlach Grannd a bheatha, ach do dh' aobhar na sithe. An uair a thainig e gu maith duine, fhuair e ait' anns na h Innsean an Ear o'n Chomunn a bha riaghladh na duthcha sin, 's gu latha bhais bha chridhe an ceangal ris na h-Innseann, 's bha lamh 's a theanga 's a pheann ag oibreachadh gun sgur as leth an t-sluaigh. Bha e 'na fhear riaghlaidh glic agus dh' fhag e larach a laimhe air an duth- aich ann an iomadh doigh, ach is e na rinn e ann an aobhar an t-soisgeil a chumas ainm air chuimhne gu brath. O'n cheud latha chaidh e air tir, 's a chunnaic e an dorchadas 's an t-ain- eolas anns an robh na h-Innsean, b'e durachd a chridhe an creidimh Criosduidh a thoirt do'n t-sluagh. Chruinnich e mu'n cuairt air, daoine de'n aon inntinn ris fhein, 's bhrosnuich e na h- Eaglaisean an obair a ghabhail os laimh. Tharr- uing e aire Shasuinn gu cor nan Innsean, lean e air sgriobhadh gu Easbuigean is diadhairean is Comuinn Chriosduidh aig an tigh gus nach b' urrainn iad an suilean a dhunadh ni b' fhaide Cha 'n 'eil uine againn cunntas a thoirt air meud na h-obrach a rinn e, ach is leor a radh gur h-e Tearlach Grannd a thug Carey is Martyn do na h-Innsean, gu'n do chuir e air air an cois iomadh eaglais anns an duthaich, gu'n do chuidich e saorsa thoirt do na traillean, gu'n do chuir e Wilson do Chalcutta, 's gu'n do chuidich e gu mor le Wilberforce 's ri chairdean. Sgriobh e aon uair gu h-aon de na soisgeulaichean Gu'in beannaicheadh Dia t obair, 'j- giim hiodh soirbh- eachadh agad ann a bhi craobh sgoileadh eolais air Criosd 's air fhacal 's air a shlainte. Tha. sinn idle cho marbh, ^s cho dear/nadach air na cothrom- antian a tha Dia a' toiri dhuinn 's gu bheil eagal orni gu 'ti tionndaidh e bhuainn mar a thionndaidh e 0 shluagh Israel. Tha mi'n dachas gu bheil Criosduidhean fhathast ann am Breatunn, ach tha e CO It ach gu blieil iad meoghbhlath 's gu 'n do chain an creidimh a chumhachd. Gu 'n ullaich- eadh Dia luchd oibre airson an fhoghair. Tha car aid agad a7inamsa. Abair am facal ' s ni mi na 's urrainn mi. An uair a chuala Wilberforce naigheachd a bhais, sgriobh e "Cha b' aithne dhomh duine riamh a b' fhearr na Tearlach Grannd. Nan d' fhuair e cothrom 'na oige dh' fhaodadh e bhi cho ainmeil ann an litreachas 's a bha e ann an riaghladh. Bha a bheatha folaichte ann an Criosd. Bha e cho fada os cionn an t-saoghail so, 's gu robh e daonnan uUaichte airson an t-saoghail eile. Is mor an call a bhas, ach tha e 'na aobhar taingeileachd gu 'n d' fhag Dia e gus an do chuir e an siol 's na h-Innsean an ear siol a bheir a mach moran toraidh."

^ ^

r

'i

4

i

Air. 1.

1908

D'AR LUCHD LEUGHAIDH.

Bliadhna mhaith iir dhuibh.

Ged nach aithne dhuinn a cheile anns a cho- luinn, tha car de thaoibh againn ris a h-uile fear is te a bhios a' leughadh an Leabhair Dheirg, is tha sinn an dochas nach beag oirbhse an lamh a tha sgriobhadh nan duilleagan so.

Bha sinn an duil gu'n innseamaid anns an aireamh so gu de tha 'nar beachd a dheanamh air a' bhhadhna so, 's gu'n ainmicheamaid cuid de na cuspairean air an tig sinn thairis, ach rinn sinn ath-chomhairle 's thuirt sinn ruinn fhein gu'm b' fhearr a bhi samhach, air eagal 's gu'n abradh cuid agaibh aig deireadh na bliadhna gu'n d' fhuair iad gealltanas maith ach droch phaigheadh. O thoisich sinn air an obair so, cha 'n urrainn sinn a radh gu'n d' fhuair sinn moran cuideachaidh o pheann duine sam bith. Ged is maith an ceol feadaireachd, faodar tuill- eadh 'sa choir dheth fhaighinn. Ged nach h- uallach leinne sgonn Gaidhlig a sgriobhadh an drasd 'sa rithist, gu sonruichte 'nuair a tha sin a' toirt cothrom dhuinn seanchas a dheanamh ri daoine ciallach mar a tha luchd-leughaidh an leabhair so, tha fhios againn gu bheil moran dhaoine a's glice ceann 's a's luaithe peann na sinn fhein, a dh' fhaodadh spruileach da'n gliocas a thilgeil oirnn corr uair. Ged nach abair daoine ris a' mhinisteir e, tha amharus againn nach bu mhisd leo an duine coir a dhol greis o'n tigh air son a shlainte, 's leigeil le fear ur a ghuth a thogail. Cha ruig sinn a leas an tuilleadh a radh. Tuigidh sibh gu de tha sinn a' ciallachachadh. Air uairean bidh eagal oirnn gu'm bitear a fas sgith dhinn, 's cha bu mhaith leinn sin. Ach mur tairg duin' air chor-eiginn ar n-aite sheasamh, cha'n 'eil arach air. Feumar ceol a thoirt as an t-seann fhidhill, ged a chuir- eadh ar luchd eisdeachd an corragan 'nan cluasan. Tha sinn an dochas, mata, gu'n cuid- ich sibh leinn air a' bhliadhna so, 's gu'n cuir sibh h-ugainn criomain Ghaidhlig a bhios freag- arrach airson an leabhair so. Ris na nithean a tha sinn fhein a' sgriobhadh, cha 'n 'ei! sinn a cleachdadh ar n-ainm a chur, ach ris na nithean a chuireas daoin' eile h-ugainn, cuiridh sinn an ainm 's an sloinneadh. Bidh sinn gu sonruichte taingeil airson bardachd naomh, no laoidhean. Dh' fhairtlich a' bhardachd oirnn fhein gu buil- each 's mur dean daoin' eile cobhair oirnn feumar deanamh as a h-eugmhais. Cha'n 'eil aig duine leis am bu mhaith cuideachadh leinn, ach sgriobhadh gu Domhull Mac Laomuinn, ministear Urchadainn, ann an lonarnis, 's gheibh e freagradh.

A' BHLIADHN' UR.

Tha bliadhn' eile seachad. Is iomadh car a chuir an saoghal dheth o'n am so 'n uiridh, agus is iomadh atharrachadh a dh' fhaodas tighinu 'nar caramh ma ruig sinn deireadh na bliadhna so. Ma dh' fhaoite gu bheil sonas mor a' feith- eamh air cuid againn, 's gu bheil moran trioblaid anns an dan do chuid eile. Aig Dia a mhain tha fios. Is e Esan a tha riaghladh agus faod- aidh sinn cuisean ar beatha fhagail 'na laimh- san, ann an cinnt nach eirich gu hole dhaibhsan a dh' earbas as. Is e ar gliocas-ne sinn fhein earbsa ris-san ann an deanamh maith mar ri Cruithear dileas. Aig a leithid so a dh' am tha e freagarrach gu'n tugamaid suil 'nar deigh 's gu feoraicheamaid gu de a tha bhliadhna chaidh seachad a' teagasg dhuinn. An uair a sheallas sinn air ar n-ais, tha mi 'n duil gur h-e an fhair- eachduinn a dhuisgeas anns a h-uile cridhe taingealachd do Dhia.

I. Tha bhliadhna chaidh seachad a gairm oirnn an Tighearn a mholadh. A' chuid a's lugha fhuair de shoirbheachadh aimsireil, fhuair iad na dh' fhoghainn, 's a' chuid a's motha fhuair le thrioblaid, cha deachaidh am fulangas thar tomhats. Am measg gach gaoid, is galair is cunnart a bha mu'n cuairt oirnn shaor Dia ar beatha o'n bhas, 's ar casan o thuisleadh 's tha sinn a' gluasad fhathast ann an solus nam beo. Gach seachduinn d'ar beatha tha sinn a' faicinn ar co-aoisean daoine cho bg 's cho laidir ruinn fhein air an gearradh air falbh ach tha sinne fhathast air ar fagail. Ged a bhios sinn a' caineadh an t-saoghail, is maith leinn a bhi ann. Is mor a' bheannachd gu bheil sinn idir beo. Tha Dia faighidinneach, agus bu choir faighid- inn agus maitheas Dhe ar gairm gu aithreachas. Is iomadh uair a chaidh sinn air seacharan anns a' bhliadhna dh'fhalbh, is iomadh uair a thruaill sinn ar n-anam le peacadh 's a thug sinn naire is trioblaid oirnn fhein 's air ar teaghlaichean, ach bha Dia caoimhneil 's dh' aisig e ar n-anam air ais dhuinn. Nan comharaicheadh Esan ain- gidheachd co a sheasadh 'na lathair,ach aige-san tha maitheanas agus saoraidh e Israel o euceart- aibh. Beannaich an Tighearn O m' anam 's na dichuimhnich a thiodhlacan !

Tha iomadh ni anns a' bhliadhna chaidli seachad a bu mhaith leinn a dhi chuimhneach- adh iomadh aobhar naire is cromadh cinn. Is trie a fhuair an Namhaid lamh an uachdar oirnn, 's a rinn sin rudan a bheir an diugh an f hull 'nar naodann. Cha robh sinn cho faicilleach 's a bu choir dhuinn, cha do chleachd sinn na meadh-

onan cuideachaidh a thug Dia dhuinn, 's cha do chathaich sinn gu fuil an aghaidh peacaidh. Cha robh ar beatha cho mhaith ri ar n-aideach- adh no ar gniomharan cho mhaith ri ar bbidean. Ach ma tha sin a' laidhe 'na uallach air ar coguis, thugamaid ar n-uallach gu Dia agus abramaid ris san le cridhe durachdach dean trocair oirnne tha peacach agus eisdidh esan ruinn. Dubhaidh e as mar neul ar n euceartean, gabh- aidh e truas dinn, comhdaichidh e ar n-eusaontais, agus tilgidh e ar n-uile lochdan ann an doimh- neachd na fairge. Deanamaid greim air an fhacal so, oir cha 'n e smaoin duine a th' ann, ach facal Dhe.

II. Rachamaid an coinneamli na bliadhn'

uire le deagh mhisnich. Ged nach do ghabh

sinn riamh roimhe an rathad so, na biodh eagal

oirnn oir tha Fear-stiuraidh is Fear-comhnaidh

maille ruinn. Tha e nadurra gu'm biodh daoin'

a' sealltuinn air thoiseach orra 's gu'm biodh iad

a' cnuasachadh 'nan cridhe gu de th' aig a'

bhhadhna so 'san dan dhomh ? Am faic mi

a deireadh ? Am bi na laithean nach d' thainig

cho mhaith ris na laithean a dh' f halbh. Faod-

aidh gu bheil cuid air nach cuir na smaointean

sin moran dragh. Air cho neo-chinnteach 's ga

bheil an crannchuir, air cho dorcha 's ga bheil

an t-slighe ged nach leir dhaibh fad an coise

air thoiseach orra, tha iad daonnan a tigh'nn beo

an dochas gu'm bi cuisean ni's fhearr an ath

latha. Cha 'n 'eil an seorsa naduir sin aig a

h-uile duine. Tha cuid a dhaoine nach urrainn

eagal an latha maireach a thilgeil uapa mionaid

d' am beatha. Ma dh' fhaoite nach urrainn iad

innseadh gu de a tha 'cur dragh orra, ach tha 'n

cudthrom air an inntinn 's tha eagal is curam an

latha maireach a' deanamh searbh freasdal an

latha diugh. 'S e 'n aon chungaidh leighis air

an son, cuimhneachadh air na laithean o shean

anns an do lean maitheas agus trocair Dhe iad.

An aite sealltuinn air toiseach orra, bhiodh e

moran na b' fhearr dhaibh suil a thoirt 'nan

deigh suidhe car greis gu reidh samhach gu

bhi beachdachadh air freasdal an Tigheaina

'nam beatha fhein. Ma bha iad an glais 's gu'n

tug esan as iad, ma rinneadh soilleir dhaibh

nithean a bha dorcha, ma thug e as an rathad

duileadasan a shaoil iad nach gabhadh carachadh,

's ma threoraich e iad anns na laithean a dh'

fhalbh lamh ri h-uisgeachaibh ciuin carson a

chuireadh iad teagamh 'na mhaitheas ? Nach

'eil a chumachd-san gun atharrachadh, 's a

throcair o shiorruidheach gu siorruidheach

orrasan da'n eagal e ! Ciod uime sin a their

sinn ris na nithean sin ? Ma tha Dia leinn, co

dh' fhaodas a bhi 'nar n-aghaidh. An Ti nach

do chaomhain a mhac fein ach a thug thairis e

air ar n-ais, tha gach latha 's bliadhna d'ar

beatha, a' cur an ceill ann an cainnt so-thuig-

seach, gradh is maitheas is fad fhulangas Dhe. Bha mi bg, ars' an Salmadair, agus a nis tha mi scan ach cha'n fhaca mi riamh am firean air a threigsinn. Tha ainmean a shiuagh air an gearr- adh air dearnaibh a lamh, agus cuidichidh Dia leo agus teasairgidh e iad. Ged thuit iad, cha tilgear gu tur sios iad, oir cumaidh an Tighearna snis air laimh iad. Carson a tha thu air do leagadh sios O m'anam, earb thus' a Dia.

III. Mabu mhaith leinn dion an Tighearn a bhi tharaimi, 's dearbhachd a bhi againn gu'm hi E maille ruinn air ar turus, toisicheamaid air a bhliadhna so le bhi 'gar coisrigeadh fhein dha as icr. Tabhair suas do shlighe do'n Tighearn, agus beannaichear leis thu. Is ann d'a shiuagh fhein a thug e na geallaidhean priseil air an d' thainig sinn thairis. Tha Facal an Tighearn ag radh Abraibh ris an ionracan gur maith a dh' eireas dha ach tha am Facal ceudna 'g radh Is an-aoibhin do'n aingidh, is olc a dh' eireas dhasan. Cha'n urrainn dearbhachd sam bith a bhi aig daoine mi-dhiadhaidh gu bheil fabhar Dhe thairis. Faodaidh Dia giulan leo fada le faighidinn, agus sgrios a chumail uapa, ach cha 'n urrainn an Alios cridhe 's a' mhisneach a bhi aca a th' aig na daoine a ni a thoil, 's a tha cinnteach, air an aobhar sin, gu faod iad an taic a leigeil ri geallaidhean Dhe. Co iadsan a dh' fhaodas a radh gu bheil Dia maille riu anns gach suidheachadh sam bi iad? Iadsan a ghluaiseas 'na eagal, a ghradhaicheas a lagh, 'sa choimhideas aitheantan. Riusan tha Dia ag radh feuch tha mise maille ruibb, cha'n ann gu ceann na bliadhna, ach gu deireadh an t-saoghail.

Tha aingeal Dhe a' campachadh Mu'n dream da'n eagal e, G'am fuasgladh is g'an teasairginn O'n trioblaidibh gu leir.

Ged is fhad a' bhliadhna le bhi 'g amharc air thoiseach oirnn an drasd, thig i mar a thig gach ni eile gu crich. Theid i seachad cho luath 's a chaidh an te mu dheireadh. Tha sinn a' caith- eadh ar bliadhnacha mar sgeul a dh' innsear. Tha ar laithean a' dol seachad mar shruth. Gu'n teagaisgeadh an Spiorad Naomh dhuinn ar laithean aireamh, chum gu socruich sinn ar cridhe air gliocas. Tha na miltean a' seasamh an diugh air stairsnich na bliadhn' uire a bhios anns an t-siorruidheachd mu'n tig i gu crich. Co dhiu a thachras sin dhuinne aig Dia a mhain tha brath. Ach bitheamaid ag iarraidh an Tighearna, deanamaid faire 's bitheamaid ri uirnigh. Na cruadhaicheamaid ar cridhe 'na aghaidh-san a tha labhairt rinn, 's a' tairgsinn dhuinn saor thiodhlac a ghrais. An diugh an t-am taitneach. Cha 'n 'eil obair no aithreachas anns an uaigh.

v i

t

i

I

'S e nis an t-km bhi reidh ri Dia, 'S e nis an t-^m thoirt geill do'n Triath, Am feadh a mhaireas la nan grks Faodaidh gach neach dol as o'n bhas.

Gu'n cuidicheadh Dia leinn anns a' bhliadhna so an tuilleadh nine is suim a thoirt do nithean spioradail, 's an tuilleadh dichill a dheanamh chum CO aca bhios sinn a lathair no air choigrich, gu'm bi sinn taitneach dhasan. Leis an t-seann bhliadhna cuireamaid dhinn an seann duine.

OBAIR NAM BAN.

Bu mhaith leinn aire ar luchd-leughaidh a tharr- uing a dh' ionnsaidh na h-obrach a tha boirionn- aich na h-eaglais a' deanarah ann an aobhar an t-soisgeil. Cha'n'eil cul-taice aig a' mhinisteir anns an sgireachd a's fhearr no na mnalhan. Ma tha dad ri dheanamh mu'n eaglais is ann riuthsan a dh' fheumar sealltuinn. Ma tha e 'g iarraidh luchd teagaisg airson na sgoil Shabaid, is ann am measg nam boirionnach gu bitheanta a gheibh e iad. Ma tha airgiod ri chruinn- eachadh airson aobhar feumail sam bith 's nach 'eil fhios aig a' mhinisteir co as a thig e, nach ann ri Comunn nam Ban, no mar theirear 'sa Bheurla- Women's Guild a ni e ghearan ? Mur b'e na tha iadsan a' deanamh airson na h-eaglais^ cha mhor sgireachdan air nach biodh naire 'nuair a chi iad na cunntasan aig deireadh na bliadhna. An dara leth de'n airgiod a th' air a thogail, is e iadsan a tha 'ga dheanamh. Cha'n ioghnadh ged a bhiodh am ministear an comain nam ban, 's ged a bhiodh meas mor aig orra ann an gradh air son an oibre. Tha e furasda gu leoir fhaicinn o leabhraichean na h-eaglais gur h-e na sgir- eachdan a's motha a tha cuideachadh an t-soisgeil aig an tigh 's o'n tigh, na sgireachdan anns a bheil Guild nam ban. B' fhasa do'n eaglais deanamh as eugmhais fhoirfeach seach deanamh -as eugmhais obair nam boirionnach. Cha 'n e mhain gu bheil iad a' cuideachadh gach aobhar a bhuineas do'n eaglais, aig an tigh ach tha iad a thuilleadh air sin a' cumail air aghaidh leotha fhein obair shoisgeulach ann an tirean cein ann an China, ann an Africa, 's anns na h-Innsean an eaa. An uiridh bha tri fichead boirionnach 'sa deich aig a' Chomunn so ag obair anns na duthchannan thairis, agus corr is da cheud de bhoirionnaich na duthcha, a bha roimhe so air an iompachadh. Tha ceithir no coig de thighean- eiridinn aca agus corr is leth cheud sgoil. Anns na sgoilean sin tha ceithir mile de chloinn a' faotainn teagasg ann an eolas na firinn. An uiridh fhuair fichead mile duine fasgadh anns na tighean-eiridinn, 's bha moran dhiu sin air an leigheas. Bha coinneamhan soisgeulach air an gleidheadh ann an naoi fichead aite 's na duth-

channan dorcha sin. Tha na mnathan a' dean- amh obair fhiachail, 's air reir coltais tha cothrom aca faotainn gu cridhe 'n t-sluaigh mar nach faigh fir. Tha cor nam boirionnach anabarach bronach anns na cearnaibh de'n t-saoghail air nach do rainig solus an t-soisgeil fhathast, agus tha e iomchuidh gu feuchadh iadsan a fhuair saorsa iad fhein le soisgeul Chriosd, ri saorsa is ' solus is misneach a thoirt a dh' ionnsuidh am peathraichean a th' ann an trailleileachd. 'Nuair a chi na duthchanna borb gu bheil gradh Chriosd a' co-eigneachadh a dheisciobul na boc.hdan a chuideachadh, a chlann a theagasg, a' mhuinntir thinn a leigheas, bidh an soisgeul dhaibh 'na sgeul aoibhneach. Ann an laithean fheola thuirt an Slanuighear Fuilingibh do na leanaban teachd 'am ionnsuidh, agus ann truacantachd a chridhe leighis e na daoine tinn a thugadh 'ga ionnsuidh. Cha 'n urrainn an eaglais dol cearr le eiseimpleirsan a leantuinn 's faodaidh a dheis- ciobuil a bhi cinnteach gu'n toir E dhaibh a bheannachd ann a bhi leigheas creuchdan am braithrean, 's ann a bhi teagasg na cloinne airson rioghachd Dhe.

Tha Comunn nam ban da eireadh a' deanamh obair mhor, ach tha sinn duilich a radh gu bheil iomaguin orra aig toiseach na bliadhna so le cion airgid. Cha'n'eil an tighinn-a-stigh a' cinntinn cho luath 's a tha 'n obair a' fas. Tha luchd- oibre gu leoir deas ach tha 'n t-airgiod gann. Nan gleidheadh na boirionnaich na tha iad fhein a' togail a dh' airgiod o cheann gu ceann de'n bhliadhna bhiodh pailteas aca airson na h-obair ann an duthchannan cein. Ach cha'n'eil iad a' deanamh sin. Tha iad fialaidh. Tha iad a' toirt do'n h-uile h-aobhar ann an ceangal ri obair coimthionailean na h-eaglais. A dioiim 'j gu bheil iadsan a' cuideachadh kinne, cuidicheam- aid leosan. Bha ochd ceud sgireachd an uiridh nach tug dhaibh fiu a' bhuinn-a-sia. Is mor an naire e. Air cho beag 's ga'm bi 'n tabhartas, bu choir do'n h-uile sgireachd rud-eigin a dheanamh. Tha tri mile barrachd £3000 a dhith orra am bliadhna 's tha sinn an dochas gu faigh iad e. An-aoibhin do'n Eaglais a chuireas ann an suarachas aithne Chriosd Imichibh agus deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach. Gus an toir an Eaglais geill do'n fhacal sin, cha'n urrainn i an gealladh a tha 'na chois a thagradh Feuch a ta mise maille ribh a ghnath, gu deireadh an t-saoghail.

EOLAS NA SIDE.

Bha da bhodach a' tigh'nn dhachaidh as an eaglais air latha Sabaid. Thachair gur h-e latha Martainn Builg a bh' ann 's shil an t-uisge. Is beag feum na duthcha, arsa fear dhiu, air sia seachduinnean uisge. Thuig am fear eile gu de

bha 'na inntinn 's thuirt e Tut, tut, Eachainn, cha'n'eil thusa creidsinn ann am faoineis de'n t-seorsa sin. Thug Eachann suil gheur air a chompanach mar gu'm biodh rud-eiginn air dol cearr air 's thuirt e A' bheil thu fhein 'ga chreid- sinn Eoghain. Cha 'n 'eil, ars' Eoghan. Ubh, ubh, a bhronain, ars' Eachann, a' bheil thu idir a' creidsinn an rud a th' anns a' Bhiobull. Cha'n fhaca mi riamh dad ann mu latha Martainn Builg, ars' Eoghann. Ma dh' fhaoite nach faca, ars' Eachann, ach nuair a iheid thu dhachaidh, leugh a rithist e.

Ged nach abradh iad gu bheil e anns a' Bhiobull, tha moran de'n aon bheachd ri Each- ann, gu bheil buaidh aig latha Martainn Builg air an t-sid a bhios 'na dheigh. Theireadh na seann daoine nam biodh leaba thioram aig an fhiadh air latha Martainn Builg, nach faicte uisge gu foghar. Uair a bhios sin ceart is da uair nach bi, ach a dh' aindeoin gu de a their luchd nan gloineachan, tha an seann fhacal so air a chreidsinn le moran.

Cha mhor thighean anns an cuir duine a chas an diugh anns nach tachair gloine side air aig cul an doruis. Cha deanar feum as eugmhais. A' cheud rud a ni fear an tighe 'sa mhaduinn, 'se suil a thoirt air a' ghloine, agus an drasd 'sa rithist fad an latha bheir e gnog air anns an aodann feuch gu de a tha e 'g radh. 'Nuair a thachras e ort air an rathad, ma feoraich e ciamar a tha ihu, their e riut gu bheil an gloine 'g eiridh no gu bheil e tuiteam. 'S bitheanta ni esan sin oir cha'n'eil an corr aige ri dheanamh. Ged a tha gloine sine aig a' chuid a's motha d'am choimhearsnaich, 'sa tha iad gle phroiseil asda, cha d' fhuair mi fear dhiubh riamh, ach ged nach d' fhuair, cha d' eirich tubaist sam bith dhomh, 's cha 'n aithne dhomh gu'n do rug an t-uisg' orm na bu bhitheanta na rug e orrasan. 'N uair a bhios 'nam bheachd dol o'n tigh, theid mi ceum a mach o'n dorus, seallaidh mi ann an ceithir airdean an adhair, agus is maith an gloine side sin. Bha gu leoir de dh' eolas na side aig m'athair, 's chreidinn e air thoiseach air luchd nan gloineachan, ach cha'n'eil fhios agam ciamar a fhuair e'n t-eolas mar h-ann o bhodach nagealaich. Bha na seann daoine creidsinn gu robh buaidh aig a' ghealaich air an t-sid. Theireadh iad nam bristeadh an t-sid idir gur h-ann aig ceathramh gealaich. Theireadh iad cuideachd na'n tigeadh an solus iir a stigh Di-sathuirne gu'm biodh droch shid ann. "Gahhaidh an solus Sathurna na seachd cuthaich ma'n teid e mach." Bha moran nithean a dh' fheumte fhagail gun dean- amh mur biodh a' ghealach freagarrach. Bha cuid de dh' obair nach gabhadh deanamh aig gob soillse, no am feadh 'sa bhiodh a' ghealach a' fas, 's dh' fheumadh daoine feitheamh gu san rachadh i air a h-ais 's am biodh i 's an earra- dhubh. B'e "gealach an abachaidh " solus a b' fhearr'sa bhliadhna. Theireadh na seann daoine

cuideachd nach robh gaoth tuath nadurra aig^ gob soillse. Cha 'n aithne dhomh c'arsan, ach chuala mi am facal. Is iomadh uair a chuir e ioghnadh orm cho cinnteach 's a dh' innseadh seann daoine a b' aithne dhomh atharrachadh na side. Anns a' mhaduinn shealladh iad a h-uile car a chuireadh a' ghaoth dhi gu trath feasgair. Tha e 'na dhroch comharra air an t-sid a ghaoth a bhi g' atharrachadh ro thric- Anns na h-eileinean an lar far am feumadh daoine fath a ghabhail air a' ghaoith airson aiseig, bha fhios aca gu maith gu de cho fada 'sa leanadh i air calpa sam bith, 's bha facal aca "A cheud latha de'n ghaoth deas 's an treas latha de'n ghaoth tuath" an latha b' fhearr an turns a ghabhail. Bu mhaith leis na seann daoine a h-uile seorsa side a thighinn 'na trath. Cha robh earbsa sam bith aca a feith Faoillich no gaoth luchair. Theireadh iad gu robh e cho- neo-nadurra tairneanach a chluinntinn 's an Fhaoilleach ri laogh a geumraich am broinn a mhathar. Cha bu mhaith leo an t-sid a bhi. blath anns an Fhaoilleach.

Faoilleach Faoilleach, cruth an crios, Faoilte mhor bu choir bhi ris, Crodh is caoraich ruith air theas Gul is caoidh bu choir bhi ris. Cha'n'eil cothrom agam an corr a radh an drasd,. ach is docha gu'n tig mi air m' ais gu comharraa na side uair-eigin eile.

LAOIDH.

FONN Seinnidh sinn le luathghair Moladh binn 'us buan Dha, Oir dh' eirich E o'n uaigh ud Le buaidh o na marbhaibh.

Gur bochd tha sinn an trksda. Air thurus 'dol troimh 'n fliksach, 'S an t-slighe troimh Ghleann Bheica 'G ar fagail gle anmhunn.

Ach, thigeamaid le dinachd, 'Us direamaid am ffiradh A chunnacas le Jacob

O neamh 'chum na talmhainn.

An dream sin 'thig le umhiachd A' gleacadh air an gluinean Ri Aingeal naomh a' Chiimhnaint, Cha tionndar air falbh iad.

Ach, bheir E uisge beo dhaibh, 'Us mana blasd' mar Ion dhaibh, Seadh, trusgan 'ni an cbmhdach, 'Us crim glbir' nach searg ds.

Cha bhuail orr' teas na greine, 'S air gealach cha bhi feum ac' ; - Mar sholus bi 'dh E fhe'in dhaibh, 'S gach deur bh' air E air falbh uap'.

O, seinnidh iad gu siorruidh Binn oran nuadh do'n Trianaid, Oir thaghadh iad e chianaibh Bho chriochaibh na talmhainn ! Aird-nam-murachan, 1907. Anna Chamaran.

L-^

H

i

).

H

n

1

\

I

I

^1

1

4i

M

Air. 2.

1908.

TRI GEALLAIDHEAN. An ti a bheir buaidh: Taisbean iii, 5.

An uair a bha '11 t-Abstol Eoin ann am Patmos far an d' fhoillsicheadh dha na nithean a bha ri tachairt ann an uine ghearr, chual e guth mor a dh' iarr air sgriobhadh gu Aingeal nan seachd eaglaisean 'san Asia. Tha an t-Aingeal a' ciall- achadh Easbuig no Fear-riaghlaidh na h-eaglais, agus 'ga ionnsuidh-san sgriobh an t-Abstol ciod a bha 'n Spiorad ag radh ris an eaglais a bh' air a churam. Ged nach robh h-aon de na h- eaglaisean iomlan, bha cuid dliiu a bha cathach- adh gu dileas airson a' chreidimh an aghaidh moran naimhdean ; agus anns na Htrichean a chuireadh thucasan tha cronachadh air a mheasg- adh le moladh. Ach cha do mholadh eaglais Shardeis. Cha ghabhadh sin deananih. Is aiihne dhomh t' oibre, gu bheil ainm agad gu hlieil ihu beo, gidheadh a ta thu marbh. Nach uamhasach an teisteanas sin air cor spioradail na h-eaglais, air a thoirt oirre leis an Ti d' am b' aithne a h-obair, 's nach dean mearachd ann am breitheanas ! Bha ainm aig Sardis am measg nan eaglaisean eile airson beatha, airson aonachd, airson creidimh, airson dilseachd, agus cho fad 's a bu leir do'n t-suil, bha i cho soirbheachail 's gu robh farmad aig each rithe. Bha i Ian thoilichte leatha fhein, a' toirt taing do Dhia nach robh ise co-dhiu coltach ri eaglais Laodicea. Cha 'n ioghnadh, mata, ged a chromadh na seanairean an cinUj an uair a leugh an t-Easbuig 'nan eisd- eachd air latha Sabaid an litir a bha 'ga dhiteadh fhein 's a' diteadh a shluaigh is aithne dhomh t-oibre, gu bheil ai^im agad gu bheil thu beo, gidheadh a ta thu marbh. Briathran eagallach, a bu choir a bhi 'nan rabhadh do dhaoine 's do dh' eaglaisean, oir cha 'n 'eil feuni ann an coslas na diadhaidheachd as eugmhais cumhachd na diadliaidheachd. Cha 'n 'eil ann ach an t-ainm gun an tairbhe.

Cha robh cion cothroim air Sardis. Cha robh na deuchainean aice a bh' aig na h-eaglaisean eile, ach cha b' fheairrd i sin dad. Bha na Nicolaitich a' cur dragh air Ephesus, bha lesebel a' cur dragh air Tiatira, bha sionagog Shatain a' cur dragh air Philadelphia, ach bha Sardis gun dragh, gun eagal, gun namhaid, gun deuchainn. Bha i tigh'nn beo ann an sith. Bha i cheana cho saoghalta 's nach b' fhiach do'n t-saoghal geur-leanmhuinn a dheanamh oirre. Bha Satan cho cinnteach gu robh i cheana marbh, 's nach b' fhiach dha buille thoirt oirre. Bha suaimh- neas aice o h-oige, agus shocruich i air a

deasgainibh, agus cha do tharruingeadh a mach o shoitheach gu soitheach i, ni mo dh' imich i am braighdeanas, 's air an aobhar sin mhair a bias innte agus cha d' atharraicheadh a faile. Cha 'n 'eil e maith do dhaoine no do dh' eaglais- ean an toil fhein fhaotainn daonnan. An uair a dh' fhas lesurun reamhar, bhreab e agus threig e Dia, 's rinn e dimeas air carraig a shlainte.

Ach bha beagan ainmean eadhoin ann an Sardis nach do shalaich an aodach, agus dhaibh- san thug Ceann na h-Eaglais na tri geallaidhean mora so:

1. Sgeadaichexr iad ann an aodach geal.

2. Cha dubh mi mach an ainm a leabhar na beatha.

3. Aidichidh mi iad am fianuis m' Athar.

j Is e iadsan a bheir buaidh a shealbhaicheas na geallaidhean so, 's tha na geallaidhean 'nan samhladh air a' ghloir a bhios air a foillseachadh aig teachd Chriosd, 's air an aoibhneas a tha feitheamh air sluagh an Tighearn ann an oigh- reachd nan naomh.

I. Sgeadaichear iad ann an aodach geal. Anns a' BhiobuU tha geal 'na shamhladh air gloir is gloine, air neamh is naomhachd, air buaidh is neo-chiontachd. Iadsan a fhuair maitheanas peacaidh bidh iad geal mar an sneachda, no mar olainn, Isaiah i, 18. I'ha na h-ainglean air an sgeadachadh ann an culaidhibh geala, Eoin xx, r2. An uair a chunnaic na deisciobuil gloir an t-Slanuighear air a' bheinn rinneadh 'eudach dealrach, ro gheal mar an sneachda. Marc ix, 3. Tha caithir breitheanais Dhe 'na righ-chaithir nihor gheal, Taisb xx, 11. Nigh na tjaoimh an tr-usgain, agus rinn iad geal iad ann am full an Uain, Taisb vii, 20. Nach faod sinn a radh gu bheil an gealladh so a' ciall- achadh gu'm bi sluagh an Tighearn air an criinadh le crun na naomhachd ann an rioghachd an t-soluis. Cha 'n 'eil anns an naomhachd air an do rainig iad air thalamh ach earlais de'n oighreachd, ach ann an neamh gheibh iad an oighreachd na h-iomlanachd.

So dbchas ait nan anraa naomh, O'n Slanuighear caomh an tras ; A thug an Spiorad dhaibh maraoiv, Mar sheul is earlais graidh.

Co, mata, a chrimar le naomhachd shuas? Iadsan aig a' bheil gradh do naomhachd a bhos. Tha ceangal eadar neamh is talamh. Cha 'n atharraichear cridhe duine aig uair a bhais. Is ann air an steidh a leag sinn anns an t-saoghal so a bhios sinn a' togail fad linntean na siorruidh- eachd. Esan a bha eucorach, bidh e fas ni 's

6

eucoraiche, agus esan a bha naomh bidh e fas ni 's naoimhe. Air reir an t-sil a chuireas sinn, buainidh sinn. Cha 'n urrainn na creidmhich a's fhearr a radh ach gu bheil an naonnhachd-san mar gu'm biodh fochann 6g. Ach biodh iad fo dheadh mhisnich. Cha chuir am bas stad air a chinneas, fasaidh am fochann agus thig e fo dheis agus abaichidh e air taobh thall na h- aibhne. Is iomadh duileadas agus dearbhadh a thachras air Criosduidhean air an turus 's an t-saoghal so, agus is iomadh uair a dh' fheumas iad cathachadh eadhoin gu fuil, ach tha dochas aca ri nithean a's fearr, agus cha mheasar leo fulangais na h-aimsir a ta lathair bhi air an coimeas ris a' ghloir a dh' fhoillsichear dhaibh aig teachd Chriosd- Cha 'n fhaca suil, 's cha chuala cluas, agus cha d' thainig ann an cridhe duine, na nithean a dh' ulluich Dia dhaibhsan aig a bheil gradh dha. Chi iad an Righ 'na mhaise agus an tir a tha cian fad as. Crioch- naichear laithean am broin agus ithidh iad de chraoibh na beatha. Bidh laithean am braighd- eanais thairis agus gluaisidh iad ann an saorsa ghlormhor cloinne Dhe. Cuiridh iad dhiu na luideagan, agus sgeadaichear iad ann an aodach geal.

II. Cha duhh mimach an ainni a leabhar na beatha. Is aithne do'n Tighearn a shluagh fhein. Tha an ainmean sgriobhta ann an leabhar diomhair nach faca suil duine. Tha an eaglais air thalamh a' gleidheadh leabhraichean anns a' bheil ainmean an luchd comanachaidh, agus faodar na h-ainraean sin a leughadh. Ach tha leabhar comanachaidh eile air neamh, air a sgriobhadh le lamh an De bheo, agus mur h-eil ar n-ainmean 's an leabhar sin, is beag tairbhe dhuinn iad a bhi sgriobhta ann an leabhar na h eaglais. Bhiodh cuid de na seann diadhairean ag radh nach h-urrainn duine tuiteam gu buileach o ghras, ach tha am facalso a' cur 'nar cuimhne gu faod ainm a bha aon uair sgriobhta ann an leabhar na beatha bhi air a dhubhadh a mach. Faodaidh daoine grks Dhe fhaotainn ann an diomhanas, faodaidh an coinnleir a bhi air atharrachadh as ait, ma bheir iad thairis 's nach ciim iad gu daingean an ni a fhuair iad. Is e iadsan a mhain a bhios firinn- each gu bas a gheibh crim na beatha, agus ge b'e bhuanaicheasgus a' chrioch, is e so a thearn- ar. Oir is eucomasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tiodhlac neamhaidh, agus a rinneadh 'nan luchd- comhpairt do'n Spiorad naomh, agus a bhlais deagh fhacal De, agus cumhnachdan an t-saogh- ail ri teachd, agus a thuit air falbh, athnuadh- achadh chum aithreachais, Habh v, 4. Bha eaglais Shardeis aon uair beo, ach leig i dhith a bhi deanamh faire 's fhuair i bas. Cha robh ach beagan ainmean nach do dhubhadh a mach

a leabhar na beatha. Nach mor an t-aobhar gaird- eachais do chlann na rioghachd gu bheil an ainm- ean sgriobhta ann an leabhar Dhe? Is iomadh uair a mhisnich Pol a chairdean leis an fhacal so, agus nach iomadh uair a bhios e 'na mhisnich dhuinn uile? Bheir e misneach do na daoine aig a' bheil deich talannan, ach bheir e gu son- ruichte misneach do 'n t-seirbhiseach aig nach 'eil ach aon talann. Ma bhios sinn dileas is dichiollach, air cho beag 's ga 'm bi ar comasan no ar seirbhis, aidichidh Criosd ar saothair agus cunntaidh e sinn 'nar comh-oibrichean maille ris fein. Ged nach aithne do 'n t-saoghal ar n- ainmean, 's ged nach bi iad air chuimhne am measg dhaoine an deigh ar bais, cha dichuimh- nich Dia a sheirbhisich, 's cha dubhar a mach an ainm a leabhar na beatha.

III. Aidichidh mi an ainm am Jianuis ??i' Athar. An deigh a' bhlair, bidh ceannard an airm anns na litrichean a bhios e 'cur gu Comh- airle an Righ, ag ainmeachadh na saighdearan a rinn treubhantas 's a' chath. Cha mheasadh an saighdear cruadal air bith ro chruaidh no cunn- art air bith ro mhor, nam faigheadh 'ainm aite anns an litir sin. Bu leor an duals e, cha 'n iarradh e gloir a bu mhotha, 's rachadh e troimh theine 's uisge air a shon. Agus gu de an duals no an t-urram a b' airde a b' urrainn seirbhisich Chriosd fhaotainn na gu 'n aidicheadh esan an ainm am fianuis 'Athar, gu'n abradh E is e so iadsan a dh' fhan maille rium-sa ann am, dheuchainnihh. Agam-sa, ars' an t-Abstol P61, is ro bheag an ni gu 'n tugta breth orm le breith- eanas duine, is e an Tighearn an ti a bheir breth orm, I Cor. iv, 3. Nach suarach do dhuine gu de a their an saoghal ris, ma tha e 'ga nochdadh fein dearbhta do Dhia, 'na fhear obrach nach ruig a leas naire a ghabhail. Iadsan a dh' aidicheas Criosd air thalamh, 's a leanas e troimh urram agus eas-urram, troimh mhi-chliu agus dheagh chliu, ann am fior-ghloine, ann am fad fhulangas, ann an caoimhneas, anns an Spiorad naomh, ann an gradh gun cheilg, ann an cumh- achd Dhe, aidichidh Esan an ainm-san am fianuis 'Athar air neamh.

'San la sin faillichidh e m' ainm.

An lathair 'Athair chaoimh;

Is sealbh san Nuadh lerusalem

Do m' anam bheir le naoimh.

AM PIOBAIRE BREAC.

Ma 's fior na leughar 's na paipearan naigheachd tha 'n t-am aig na radain na toill a thoirt orra. Mur biodh an toir orra ach na cait, dh' fhaodadh iad a bhi car coma, mur h-eil cait dhaoin' eile ni 's easgaidh gu sealg na 'n cat againne. Thae aig a' cheart mhionaid so 'na luidhe mu choinn-

i

I

eamh na griosaich, 'na shuain chadal. Ach nach e dh' fhaodas? Tha 'Ion cinnteach dha, 's cha 'n 'eil e faicinn gu bheil reusan sam bith aige, e fhein a sharuchadh. Air sgath a naire, bidh e toirt sgriob sios do'n t-sabhal mu thrath feasgair, 's a' leigeadh air gu bheil e 'sealg, ach tha Lachainn ag innseadh dhomh gu robh cho mhaith do 'n t-sabhal a bhi as eugmhais. Tha na radain a' fas cho eolach air a dhoighean 's gu bheil lad a' gabhail brath air an aitreabh so gu buileach. Bitear ag iarraidh orm a bhathadh, ach cha dean mi sin. Tha sinn 'nar deagh chompanaich 's cha do chuir sinn riamh a mach air a cheile. Ged a bhios an corr de 'n teaghlach a' gearan air, 's a' toirt dha ruith de 'n teangaidh airson na leisge, tha f hies aige gle mhaith gur f urasda dha maitheanas fhaotainn o 'mhaighstir.

Ach tha namhaid ur aig na radain am bliadhna. Tha Comunn air a chur air bonn ann an Lunn- ainn aig a' bheil e mar chrioch araidh cur as do na radain. Cha robh mi fhein riamh anabarach toigheach air na creutairean suarach, ach bha car de dh' amharus agam gu bheil feum air chor- eigin annta anns a' chruthachadh, 's gu bheil iad a' deanamh seirbhis airson an loin. Ach tha an Comunn ur so a thoisich ann an Lunnain ag radh nach 'eil na radain a' deanamh feum idir ach moran uilc. Tha iad a' cur as an leth gu bheil iad a' giulan galair is plaigh o aite gu aite, 's a milleadh slainte na duthcha. Tha moran lighichean is luchd ealain air a' Chomunn, 's faodaidh sinn a chreidsinn nach 'eil iad a' bruidhinn air thuaireim, ach gu bheil dearbhadh aca air na tha iad ag radh. Is coltach gur h-e na radain a bhios a' giulan na plaighe o bhaile gu baile anns na h-Innsean an Ear, 's gur h-iad a b' aobhar do'n phlaigh rahilltich a bh' ann an Lunnain ann an 1665, a thug air falbh leth an t-sluaigh. Faodaidh, mata, radain a' bhaile mhoir a bhi bogadh nan gad, bh6idich daoine glic agus eagnaidh a' Chomuinn uir so, nach bi fear dhiu a lathair mu'n am so an ath-bhliadhna, ma ghabhas sin deanamh le cait is abhagan is puinnsean.

Ach tha mi 'n dochas nach eirich do 'n Chom- unn mar a dh' eirich do mhuinntir Hamelin. Faodaidh sinn an t-seann sgeulachd innseadh airson na h-oigridh. O chionn fada nan clan, an uair a bha 'n saoghal bg 's a labhradh na h-eoin Greugais, bha baile 's an airde n-iar d' am b'ainm Hamelin. Bha e 'na chaithir aluinn abhainn Ueser a' siubhal seachad air gu reidh samhach, far am biodh a' chlann a' cluich 's na tunnagan a' snanih. Bha muinntir Hamelin 'nan daoine c6ir, bha sith is sonas aca, gach ni a riaraicheadh an t-suil no bheireadh solas do'n chridhe. Ach latha de na laithean, mar a bha 'n tubaist 'san dan, thainig sgaoth de radain orra air imrich o'n airde near. Cha 'n fhac iad riamh roimhe an seorsa creutair ud, bha iad na bu lugha na piseag

's na bu mhotha na seilcheag, ach bha muinntir Hamelin 'nan daoine coir 's thug iad dhaibh aoidheachd. Ach ma rinn iadsan sin thoisich na radain air las lionmhor. Bhiodh cbig ail aca 'sa bhliadhna, agus deichnear air a h-uile turns gus mu dheireadh an robh iad an impis am baile chur fodhpa fhein. Thug na cait am monadh orra le h-eagal, bhath na coin iad fhein le briste- cridhe, 's dh' fhag iad na radain gu bhi 'g ol a' bhainne 's ag itheadh a' chaise. Cha 'n fhaodte leanabh fhagail anns a' chreathaill air eagal gu 'n itheadh iad e; dh' fheumadh fear an tighe an ad shearmoin a chur fo ghlais air eagal gu 'm beireadh an radan al innte, 's o mhoch gu dubh, o cheann gu ceann de 'n bhaile cha chluinnte fuaim ach sgreachail nam biastean. Mu dheireadh thall, dh' fhas muinntir Hamelin seachd sgith de'n cheol 's rinn iad gearan ri sean- airean a' bhaile. Ghairmeadh an sluagh gu talla na Comhairle ach an uair a bha na seanair- ean 's an sluagh a' cur an cinn ri cheile mu'n ghnothuch, chualas gnog aig an dorus, 's a steach am measg na cuideachd thainig dealbh duine a thug air na seanairean gaire. Co bha so ach am Piohaire Brea.c, cbta fad' air o mhullach gu bonn, 's an dara taobh dhe dearg 's an taobh eile buidhe. Bha e cho fada ri crann soithich 's cho caol ri snaghaid, suil bheag bhiorach 'na cheann 's gun roinne feusaig air aodann. Rinn am Piobaire beic do na h-uaislean, 's labhair e "Is mis' am Piobaire Breac. Thug Righ an Domhain dhomh gliocas an da shaoghail, agus is aithne dhomh na h-eolais, 's na gisreagan, 's na h-ubagan, na siain, 's na h-oraidh a dh' oibricheas bas, 'sa chaomhneas beatha. Tha piob airgid ann am bhroilleach, leis an cuir mi fo gheasaibh gach creutair anns an do sheid anail ; mar a tharruingeas a' ghrian na reultan 's a tharruingeas a' ghealach na h-uisgeachan, tarr- uingidh mise as mo dheigh an eunlaith, beathaichean ceithir chasach agus creutairean snaigeach, 's ma bheir sibh dhomhsa mile bonn airgid, cha chluinnear sgriach radain ann an Hamelin an nochd." " Buaidh leis a' Phiohaire Bhreac" arsa fear de na seanairean ; "dean thusa sin agus is leat an t-airgiod."

A mach ghabh am piobaire. Chuir e phiob 'na bheul 's cha luaithe sheid e i no thaom na radain a mach, a toill 's a tighean, a seomraich- ean 's a simileirean. radain bheaga 's radain mhora, radain dhubha 's radain ruadha, 'na ficheadan 's 'nan ceudan, a' leantuinn a' phiob- aire o shraid gu sraid, o thom gu tom, gu h-iollagach gu h-aighearach, gus an do rainig iad abhainn Ueser, far do thuit iad muin air mhuin anns an uisge 's far an robh iad air am bathadh, ach aon radan mor reamhar a fhuair gu tir. Chuir esan a chitl ris an airde 'n iar 's aghaidh ris an airde 'n ear, rainig e tir a dhiithchais 's bhiodh e 'g innseadh na sgeoil so do na radain

oga, 's aig arraidh orra baile Hamelin a sheachnadh.

" Is maith a fhuaras am piobaire," arsa fear de na seanairean, " thugaibh dha deoch, 's buail- ibh cluig a' bhaile le gairdeachas." " Air d' aithis," ars' am piobaire. " Far dhomhsa mo dhuais 's an sin deanaibh iolach." " Duals," ars' na seanairean uile 's lad a' gaireachduinn, "cha robh sinn ach ri feala-dha ; b'e sin an dol- aidh mile bonn airgid a thoirt do phiobaire breac." " Mur toir," arsa 'm piobaire, " bidh car eile 'n ruidhle bhodaich."

A mach ghabh am Piobaire Breac a rithist. Sheid e phiob 's a leithid de cheol cha chualas o thus an domhain 's a chluinnear gu deireadh na dilinn. Bha e na bu bhinne na guth smeoraich, 's bha e cho tiamhaidh 's gu 'n taladh e na sionn- aich. Cha luaithe sheid e phiob no thaom a' chlann a mach, a sraidean is cul shraidean, a sgoilean is tighean, brogaich bheaga 's brogaich mhora, cailleagan is leanaban, gu h-ioUagach 's gu h-aighearach, a' dannsadh 's a leumraich, a' bualadh am bas 's a' gaireachduinn ri ceol a' phiobaire. Dh' fhag iad am baile 'nan deigh 's chuir iad an aghaidh gu siar gus an do rainig iad beinn ghorm. Dh' atharraich am piobaire ceol, 's cha luaithe rinn e sin no dh' f hosgail a' bheinn roimhe 's chaidh e fhein 's na bha na dheigh a steach, ach aon ghille criibach nach robh cho luath ri each 's nach do rainig a' bheinn gus an robh an dorus diiinte.

Shiubhail muinntir Hamelin shios is shuas, a bhos is thall ag iarraidh na cloinne ach cha robh a' chlann ri faotainn. Bheireadh na seanairean na bh' aca de 'n t-saoghal 'nan tilleadh am Piobaire Breac air ais leis a' chloinn ach mur tainig e o'n am so 'n de cha d' thainig e fhathast. Dh' fhaodadh an sgeulachd a bhi ni b' fhaide, ach tuigidh daoine glic a brigh 's cha dean i cron do na h-amadain :

Ma thug tliii yealladh ciim ri d' fhacal,

'S nia rinn thu dannsadh, 2)aigh am jAobair'.

AN DEARBHADH.

fasgadh. Ach cha b' e sin bu mhiosa. B' e an ni a ghoirtich a chridhe, gu 'n deanadh an t-aing- eal naomh a leithid de dh' olc. Dh' fheuch e ri thuigsinn, ach mar a bu mhotha smaointicheadh e air, is ann bu duirche bha gniomh an aingil a' fas, gus mu dheireadh an do thoisich e air teag- amh a chur anns na nitheau neamhaidh a dh'innis an teachdaire dha ann am briathran cho taitneach. Mheall e mi, ars' esan, 's leis an fhacail sin dh' eirich e 's chuir c roimhe tigh iir a thogail, Ach an uair a thoisich e air cladhachanns an t-seann laraich, f huair e fo'n bhalla cupan a bha Ian de dh' or. Cha mhor nach do stad a chridhe le meud an t-saoibhreis, thogadh e tigh iir dha is moran tuilleadh. Thuit e air a ghluinean 's mhol e Dia oir thuig e carson a thainig an t-aingeal 'ga ionnsuidh. Dhearbhadh e le teine 's thainig na facail a labhair an t-aingeal anns an oidhche gu chridhe A ia ar n-ainhghar eutrum, nach 'eil ach re, sealain, ag oihreachadh dhuinne from chudthrom gloire a ta sior mhaireannach.

Cha robh ann ach duine bochd ach bha e diadh- aidh. Bha e comhnuidh leis fhein ann an tigh tugha 's a solaradh air son a 15in gu dichiollach. Cha bu trie leis aodann duine fhaicinn oir bha 'n gleann uaigneach, ach aon latha ann an ciar- adh an fheasgair thainig coigreach a dh'ionnsuidh an doruis. Co bha so ach aingeal, 's thug an duine an aoidheachd a b' fheair a b' urrainn e do'n teachdaire naomh. Fad na h-oidhche labhair an t-aingeal ris air nithean neamhaidh, air maise na diadhaidheachd 's air gradh is gliocas Dhe. Lion cridhe 'n duine le aoibhneas oir bha briathran an teachdaire dha mar arano neamh. Moch 'sa mhaduinn dh' fhalbh an t-aingeal, ach ma 'n d' fhalbh e, chuir e teine ris an tigh is loisgeadh e gu lar. Theap cridhe 'n duine bhochd sgaineadh. Cha robh ait aige anns an leagadh e 'cheann no 'm faigheadh e

LAOIDH CLOINNE.

Gabhaidh an laoidh so faotainn ann an Laoidhean Spioradail."

Aig cloinn tha caraid griismhor

Gu h ard os cionn nan speur,

An caraid caomh nach failnich,

'S a ghradh a chaoidh nach tre'ig,

Neo-choltach ris na cairdean

Tha trial! gach la do'n uaigh,

Tha 'n caraid so neo-bhasmhor,

'S tha 'ainm ro ard ri 'luaidh.

Aig cloinn tha fois 's an aros

Gu h-ard os cionn nan speur ;

A' chlann a tha 'toirt graidh dha,

'S ag iarraidh grisan Dhe,

Tha fois ac' o gach anradh

Gach peacadh 's gabhadh gevu" ;

A chaoidh nan cian cha 'n fhailnich

An fhois tha 'n aros Dhe.

Aig cloinn tha dachaidh aghmhor

Gu h-ard os cionn nan speur

Tha aoibhneas, sith, is gradh ac'

Fo riaghladh ard Mhic Dhe ;

Air thalamh cha 'n 'eil fardach

Thig suas ri aros neimh',

Tha h-uile h-aon tha tkmh ann

Cho Ian de shonas seimh.

Aig cloinn tha cruintean kluinn

Gu h-ard os cionn nan speur.

Is gheibh gach aon 'na thrath iad

Tha 'g earbsa gradh Mhic Dhe

Skr chruintean maiseach gloire

A bheir lehobha treun

Do 'n dream thafalbh 'na chomhdhail,

'S a' toirt d' a ordugh geill.

Aig cloinn tha oran grasmhor

Gu hard os cionn nan speur,

Is seinnidh iad air clarsaich

Mu bhuaidhean ard Mhic Dhe.

Gu h-ard tha sonas siorruidh

A' tigh'nn o Chriosd gach uair;

A chlann grad thugaibh gradh dha

'S bidh agaibh slaint bhith-bhuan.

'Dain is

Air. 3.

1908.

TIODHLAC AN SPIORAID.

■"-(4« (i' fhuair sibk an Spiorad Naoinh o chreid sibh : Gniomhara xix. 2.

An uair a thainig Pol gu Ephesus 's a chuir e cheist so air deisciobuil araidh a thachair air, thuirt iadsan ris, Gha chuala sinn uiread as yu bheil Spiwad Naomh anii. Nach faod gu bheil iomadh a h-aoti de dheisciobuil an latha diugh a dh' abradh an ni ceudna ! Clia 'n e mhain nach 'eil aoibhneas aca 'san Spiorad Naomh, ach tha uile theagasg na Firinn mu'n Spiorad 'na theagasg dorcha dhaibh. Tha e dol os cionn an eolais 's an tuigse 's cha 'n 'eil fiosrachadh aca 'nam beatha air cumhachd is comh-fhurtachd an Spioraid.

I . Gheall Criosd gu'n cuireadh E mi Spiorad ■a dh' ionnsuidh na heaglais. Thuirt e ris na deisciobuil Is huannachd dhuibh mise a dh' fhalhh : oir viurfalbh mi cha tig an Comhf hurt- air d' ur n-ionnsuidh Eoin xvi. 7 . Cha'n ioghnadh ged a bha e 'na radh dorcha dhaibh 's ged nach do Ian thuig iad e aig an am. Bha e duihch dhaibh a chreidsinn gu faigheadh iad air dhoigh eile, eolas a b' airde 's a b' fhearr air ■Criosd na fhuair iad am feadh 's a bha e gluasad 'nam measg anns an fheoil. Chunnaic iad le 'n suilean e, chual iad le'n cluasan e, laimhsich iad le'n lamhan e. Ach ged a rinn iad sin, thuirt e fhein riutha gu robh moran d'a ghloir- san air nach do rainig iad fhathast, 's nach biodh air a' foillseachadh dhaibh gus an tigeadh an Spiorad Naomh, 's a fosgladh e an suilean An uair a thig Spiorad na firinn, treoraichidh e sibh chum gach uile fhirinn, oir yheibh e do m' chuid-sa agus nochdaidh e dhuibhse e Eom ievi. 14.. Ach cha ghabhadh an Spiorad toirt dhaibh gus am falbhadh Esan, oir b'ann le bhas 's le aiseirigh-san a choisinn e do'n t-saoghal tiodhlac an Spioraid. Is e ministreileachd an Spioraid Naoimh aon de na beannachdan priseil a tha sruthadh o obair Chriosd, 's dh' fheumadh an obair sin a bhi criochnaichte ma'n tigeadh an Comhfhurtair ann an lanachd soluis is beatha is cumhachd. Gus an do shuidh Criosd air cathair a ghloire far a bheil e a' giulan air aghaidh min- istreileachd shiorruidh airson a bhraithrean ann an cumhachd a shagairteachd, cha b' urrainn am facal a bhi air a choimhlionadh Cuiridh mi an Comhf hurtair d'ur n-ionnsuidh. Anns an t-sear- monalabhair Peadarairla naCuingis thae'g radh gur h-ann an deigh do Chriosd bhi air a ghlor- achadh a dhoirteadh an Spiorad air an EaglaiS'

Uime sin air dha bhi air ardachadh le deas laimh Dhe, agus gealladh an Spioraid Naoitnh fhaotainn o'n Athair, dhoirt e mach an ni so, a tha sibhe nis a' faicinn agus a' cliiinntinn. Thuirt Criosd ris na deisciobuil nach bu chall dbaibh fhalbhsan a chionn gu fanadh an Comh- fhurtair a thigeadh thuca maille riu gu brath. Cha'n fhag an Spiorad naomh an Eaglais gus am bi i air a nochdadh gu neo-lochdach an lathair gloire 'n Athar.

II. Cha b' fhada 'n nine gus an do dhearbh na h-abstoil gu'm bu bhuannachd dhaibh Criosd a dh' fhalbh. Fo bhuaidh an Spioraid bha iad na bu dluithe dha na bha iad riamh roimhe, 's fhuair iad an tuilleadh seallaidh air a ghloir. Bha'n t-Abstol Eoin na bu dluithe d'a Thighearn ann am Patmos na bha e an uair a leag e 'cheann air uchd aig an t-suipeir. An uair a bha E 'nam measg anns an fheoil, ged a ghradhaich iad E gu mor, bha iad a' sealltuinn air ann an laigse a dhaonachd 's ann an staid 'irisleachd, 's bha e duilich dhaibh a thuigsinn gu'm b'e da rireadh Mac Dhe. Ach 'nuair a chaidh e as an t-seall- adh, 's a fhuair iad tiodhlac an Spioraid, dh' fhosgladh an suilean 's thuig iad ann an doigh iir CO a bha maille riutha. Air seachduinn na Cuingis rinn na h-abstoil am barrachd de dh'fhas spioradail na rinn iad fad da bhliadhna roimhe sin. Thuig iad nithean a bha gus an la ud dorch' orra, 's fhuair iad dearbhachd iir mu tlieagasg, 's mu phearsa 's mu obair Chriosd. Gus an d' thainig an Spiorad Naomh cha robh annta ach leanaban : labhair iad mar leanaban : thuig iad mar leanaban, reusanaich iad mar lean- aban, ach an deigh a theachd-san dh' fhas iad 'nan daoine, 's chuir iad nithean leanabaidh air cul. Ee aon ghuth thubhairt iad ged b' aithne dhuinn Criosd a reir na feola, gidheadh a nis cha 'n aithne dhuinn e ni's mo. Bha aithn' aca air ann an doigh iir ann an cumhachd a Spior- aid. Cha'n fhaca Pol riamh Criosd anns an fheoil, ach le foillseachadh an Spioraid nochdadh dha nithean mu thimchioll Chriosd air nach do rainig eadhoin an dafhear dheug a chunnaic le'n suilean e, 's a chuala le'n cluasan e. A chionn gur h-ann air mhodh spioradail a thuigear nith- ean Dhe, bha e 'na bhuannachd do'n t-saoghal Criosd a dh' fhalbh, 's an Spiorad Naomh a thighinn.

III. Is e tiodhlac an Spioraid Jf^aoimh pairt a dh' oighreachd nan creidmheach. Tha moran da rireadh do shluagh an Tighearna nach 'eil a tagar iomlanachd na h-oighreachd sin a chionn

10

nach do thuig iad gu ceart teagasg na Firinn mu thimchioll an Spioraid. Tha iad a' creidsinn gur h-e an Spiorad a tha tarruing pheacach gu Criosd, ach 'nuair a tha sin deanta gu bheil obair an Spioraid ullamh. Bhiodh e na bu dluithe do'n fhirinn a radh gur h-ann an sin a tha obair an Spioraid a' toiseachadh. Tha 'n Tiomnadh Nuadh a' teagasg gur h-ann le tarruing an Spioraid a bheirear peacaich gu Criosd, ach tha'n Tiomnadh Nuadh a' cur a' chudthroim a's motha air obair an Spioraid ann am beatha nan creidmheach. Tha Dia a' toirt an Spioraid dhaibhsan a chreideas chum gu dean e comhn- uidh annta gu brath, 's gu'ni bi e dhaibh na earlais air an oighreachd a fhuair iad ann an Criosd. Tha moran de shluagh an Tighearn an duil nach biodh ann ach danadas gu'n abradh iad gu bheil an Spiorad Naomh air an giulansan. Tha iad an duil nach 'eil an tiodhlac sin air a thoirt ach do dhuin' ainneamh, do dhaoin' a tha anabarrach naomh is dileas. Tha e gun teagamh fior gu bheil creidmhich a' faotainn tomhas an Spioraid air reir naomhachd am beatha is gloine an cridbe, ach tha e mar an ceudna fior gu bheil Dia a' toirt an Spioraid Naoimh do na h-uile chreidmhich, a chionn gu bheil iad tiMi creid- inhich, hiodh iad dileas no seacharanach. B'e sin beachd Phbil, agus is e sin teagasg an Tiom- nadh Nuaidh. Tha Dia a' toirt an Spioraid, cha 'n ann do na naoimh a mhain, ach do chomunn nan creidmheach gu leir. ladsan uile a tha 'nam buill de 'n Eaglais neo-f haicsinnich, fhuair iad tiodhlac an Spioraid, 's tha e comhn- uidh annta, 's cha 'n fhag e iad gu brath. Fhuair iad e mar a fhuair iad na beannachdan eile a tha sruthadh o obair Chriosd. Deanaibh aith- reachas, arsa Peadar, agus bithibh air bhur baisteadh gach aon agaibh ann an ainm losa Criosd, dium maitheanas j^heacanna, agus gheibh sihh tiodhlac an Sjnoraid. Bha an da ni a' dol comhla agus iadsan a fhuair maitheanas fhuair iad an Spiorad mar an ceudna. Ma dh' f haoite gu bheil cuid riaraichte gu leor le maitheanas, ach mur d' fhuair iad ach sin, cha d' fliuair iad ach leth na h-oighreachd. Tha saoibhreas fhathast a' feitheamh orra a dh' fhaodadh iad a thagar 's as eugmhais nach bi iad air an lionadh le cumh- achd Dhe.

IV. Tha Criosd ag radh ri dheisciobuil an diughfhathast Gabhaibh-sa an Spiorad Naomh. Cha deachaidh an teine a bh' air a lasadh air la na Cuingis a mhuchadh. Ma tha ar beatha-ne gun chli, cha 'n e is aobhar dha sin nach 'eil Fear-cuideachaidh againn, ach nach 'eil sinn a' leigeil le chumhachd oibreachadh annainn. ladsan nach do ghabh ri tiodhlac an Spioraid, cha d' fhuair iad ach beagan de'n t-saoibhreas a th' ann an Criosd, cha 'n fhac iad ach beagan d'a ghloir, oir is e obair an spioraid Maise is Gras Chriosd fhoillseachadh do dhaoine Bheir

esan gloir dhomhsa, oir gheibh e do in' chuid-sa agus nochdaidh e dhuibhse e. JEoin xvi. H. Gu cuid thig an Spiorad Naomh mar spiorad gliocais, gu cuid mar spiorad graidh, gu cuid mar spiorad firinn, gu cuid mar spiorad cumh- achd. Thig e uairean mar theine gu bhi losgadh 'sa glanadh. Thig e uairean mar an driuchd. Thig e uairean mar ghaoth bhog bhlath an t-samhraidh. Thig e uairean mar Abhainn na Beatha. Thig e uairean mar Choluman na sith 's cha chluinnear a ghuth, ach thig e uairean eile mar thoirm mhoran uisgeachan. Ach is beann- aichte an cridhe anns an gabh e comhnuidh, anns an dean an Spiorad Naomh a dhachaidh,

A Spioraid Dhe, o chian a ghluais - Air aghaidh dhorch' nan uisge fas, Thig 'nuair a bhios ar cridhe fuar Is duisg ar n-aigne suas le d' ghrks 'S e 's ainm dhuit Neart is Sith le cheil' Cumhachd gun chrich, is Gradh ro naomh ; Do shamhladh domionn gharg nan speur Is taladh seimh a' chalmain chaoimh O teagaisg agus treoraich sinn A Chonihfhurtair, a Spioraid Naoimh !

TURUS BHRIANAIN.

Cha mhor dhaoin' ann an eileinean na h-airde n-Iar nach cual iomradh air Brianan, maraiche nan tonn is sgiobair na hiubhraich uaine. Air oidhche gheamhraidh 'nuair a bhiodh fead aig a' ghaoith 's a bhiodh gaoir a' chuain an cluasan nan sgonn-bhalach, cha robh sgeulachd a dh' innseadh Donnachadh Mor a b' fhearr a chord- adh ris an oigridh na sgiobaireachd Bhrianain a chaidh an coinneamh ghabhaidhean nan cuan feuch an ruigeadh e an t-eilein grianach uaine a bha cian fada thai! an iomall an domhain mhoir.

Faodaidh sinn prabadh a thoirt air an sgeul- achd innseadh ged nach urrainn sinn bias a chuir oirre mar a dheanadh Donnachadh.

Air oidhche araidh 'nuair a bha Brianan 'na chadal, eadarglaodha' choilich is bristeadhfaire, bhruadair e gu'n do sheas seann duine, mor, liath ri taobh a leapa 's gu'n d' thuirt e ris. "Eirich a Bhrianain, 's cuir umad t-aodach. Is mise teachdaire bho Righ na Cruinne, a dh' iarr orni tigh'nn an nochd a dh' Eirinn feuch am faighinn gaisgeach a rachadh an toir air an eilein uaigneach. Tri nithean feumaidh a bhi aige-san a ghabhadh os laimh toil an Righ, suil bhiorach, lamh chinnteach, is cridhe nach meataich ri aghaidh cruadail. A' bheil thu toileach a Bhrianain." "Tha," arsa Brianan, " thoir dhomh seachd laithean gu sgiobadh fhaotainn 's an sin fabhaidh mi is ruigidh mi an t-eilein iomallach air neo bidh fhios carson."

Is ann mar sid a bha. An uair a thainig an latha bha 'n iubhrach uaine deas. Shuidh

1

•2

3

i

1]

Brianan air an stiuir, 's leig iad air falbh i. Bha soirbheas aca mar a dh' iarradh iad, ceabharan beag laghach nach cuireadh far a droma i ach nacii leigeadh leis na giurainean fas oirre. Mar sin bha iad 'ga caitheadh seachd laithean gus an d' fhas Brianan mi-thoilichte le beag siubhal na h-iubhraich, 's an do thoisich e air feadaireachd airson gaoithe. "Seall ann an cridhe na h-airde tuath," ars' esan, "ri fear de na gillean feuch gu de a chi thu." "Tha mi faicinn," ars' an gille, "coltas froise a' cruinneachadh aig bun bac na speur is eoin na mara 'nan deann a' toirt a' chlad- aich orra." '-Beanr.achd air beul an fhiosaiche," arsa Brianan, "cha b' urrainn e bhi na b' fhearr; thoiribh uaipe cuid d'a h-aodach." Leum gach fear 'na aite, 's ma'n abradh tu deis de bha i bho aodach iosal. Sheid a' ghaoth mar gu'm biodh sorran na gaoith tuath air fhosgladh, 's dh' eirich an fhairge 'na sioban geal mar gu'm biodh e tigh'nn o bhaca gainmhich, ach cha tug sid tiomadh air cridhe Bhrianain. Bha na h-uisge- achan cho ard ri mullan, 's cho cas ri druim tighe ach chum e an iubhrach tioram le feabhas a stiuraidh. Chuir iad seachad iomadh latha mar sin, Brianan fhein gun chadal, gun fhois, gun bhiadh, le iomaguin nan tugadh e 'n stiuir do chach nach cumadh iad an uachdar i. Sia seachduinnean an deigh dhaibh lamraig fhagail, dh' iarr an sgiobair air fear de na gillean dol do'n chrann feuch gu de a chitheadh e. "Tha mi faicinn," ars' esan, "duradan beag anns an airde n-iar, tha e ro mhor a dh' eun 's ro bheag a dh' fhearann." "Beannachd air beul an fhiosaiche," arsa Brianan, cha b' urrainn e bhi na b' fhearr. Dh' atharraich e cursa na h-iubhraich 's ged a bha'n duradan fada uapa cha robh iad fada 'ga ruighinn. Gu de bha so ach eilein 's chaidh iad air tir. Ann an teis meadhoin an eilein bha tobar de dh' uisge fior-ghlan, 's laimh ris an tobar craobh, 's air a' chraoibh mile meanglan, 's air gach meanglan eun 'na shuidhe, 's iad uile 'seinn cho binn 's nach cualas riamh air thalamh coimealadh na coisir chiuil ud. Bha 'n ceol cho mills 's gu'n duisgeadh e gaol, gu fogradh e eagal, 's gu leighseadh e br6n. Ri taobh an tobair bha leth sheann duine is slige na laimh ag ol a shath de'n uisge 's thuirt Brianan ris An e so an t-eilein uaine ? Thainig fiamh a ghair' air aodann 's thuirt e Cha 'n e so idir an t-eilein uaine a tha cian fada thall an iomall an domhain mhoir ach is e so a' cheud eilein de na seachd eileinean anns am feum maraichean tamh greis ma ruig iad ceann an turuis. Leig thusa do sgios an nochd, anns a' mhaduinn olaidh tu uisg' an tobair fhiorghlain, 's gabhaidh tu an sin do chead." Is ann mar sid a bha. Thog iad na siuil am niaireach, chuir iad cuinnlein na h-iubhraich ann an cridhe na h-airde 'n iar 's tharr i as. Fad sheachd bliadhna bha Brianan air druim a' chuain, ach cha do chaill a shuil a

geiread, no lamh a cuimse, no chridhe mhisneach. Chaidh e air tir air eilein an deigh eilein ach cha do rainig e an t-eilein uaine an iomall an domh- ain mhoir. Dh' iarr an sgiobadh air tilleadh dhachaidh ach cha tilleadh Brianan. Mu dheir- eadh an uair a dh' fhairtlich air gaoth is cuan, air ceo is dorchadas, air gaillionn is uisge, air gabhadh is deuchainn, toirt air cridhe a' mhar- aiche meatachadh, thuit glag feith 's chunnaic Brianan nach robh ach fad droma na h-iubhraich eadar e 's an t-eilein uaine. B'e sin an t-eilein aluinn. Ged nach do thiomaich cridhe Bhrianain ri aghaidh cruadal, bha eagal a' measgadh le t-aoibhneas 'nuair a chunnaic e maise Tir nan Og an iomall an domhain mhoir. Bha cearcall soluis mu thimchioil an eilein 's cha 'n fhacas riamh oidhch' ann. Bha gach ni ann a riaraich- eadh an t-suil no bheireadh solas do'n chridhe na craobhan daonnan fo bhlath is driuchd na maidne mar a' mhil. Cha b' aithne do 'n eilein fuachd, no geamhradh no dorchadas, no bron, no gabhadh, 's bha cridheachan an luchd turuis a rainig e a' co-fhreagradh do cheol binn na coisir a bha seinn gun sgur. Dn' aithnich Brianan an seann duine mor liath a thainig gu taobh a leapa, 's thuirt an seann duine ris "Failt' is furan air a' mharaiche, aig an robh an t-suil gheir, 's an lamh chinnteach 's an cridhe nach do mheataich ri aghaidh cruadal, thoir taing do Righ na Cruinne 's do dh' Athair nan dill a bha maille riut air na h-uisgeachan 's a chum do mhisneach riut gus an do rainig thu an t-eilein uaine."

Nan robh mo chuimhne na b' fhearr, dh' fhaodadh an sgeulachd a bhi ni b' fhaide, ach tuigidh daoine glic a brigh 's cha dean i cron dO' na h-amadain. Ged a bhruadras maraichean air an eilein uaine 's a mhadainn, is e iadsan a mhain nach meataich ri aghaidh cruadal a ruigeas Tir nan Og 'san fheasgar.

OBAIR NA H-EAGLAIS.

Tha obair na h-eaglais a' dol air aghaidh gu reidh samhach, 's tha sith aice am muigh 's a stigh. O gach cearn de'n duthaich tha sinn a' cluinntinn gu bheil an obair a' fas, 's gu bheil saothair na h-eaglais air a beannachadh le Dia- Fhuair Eaglais na h-Alba iomadh crathadh goirt anns na laithean a dh' fhalbh, ach le dichioll is dilseachd a sluaigh chaidh na ballachan briste a thogail a ris, 's tha i 'n diugh ni 's misneachaile, 's ni 's treise na bha i riamh. Cha'n ann do dhaoine bhuineas a' chliu sin ach do Dhia. Faodaidh daoine cur is uisgeachadh, ach is e Dia a mhain a bheir toradh. An eaglais nach 'eil air reir inntinn-san, 's nach 'eil air a suidh- eachadh air bunait na firinn cha'n'eil cumhachd air thalamh a chumas beo i. Ach an eaglais a.

12

th' air a suidheachadh air steidh nan sgriobtiir, a th' air a lionadh le Spiorad Chriosd, 's a tha dichiollach anns an obair a thug Esan dhi ri dheanamh cha'n'eil cumhachd air thalamh a thilgeas sios i. Tha Dia 'na meadhon, cha ghluaisear i, cuidichidh Dia leaiha gu moch air mhaduinn. Tha obair mhor aig Eaglais na h-Alba ri dheanamh fhathast am measg ar luchd duthcha, 's tha i seasamh airson phrionnspalan a tha faotainn greim a's motha air an t-sluagh mar tha na bhadhnachan a' dol seachad 's a' teagasg ghocais. Cha 'n eirich b^ud do'n Eaglais fhad 'sa chothaicheas i gu durachdach airson a' chreidimh a fhuair i, V, fhad 's a bhios i air a honadh le Spiorad a Maighstir, a thainig a shir- eadh agus a thearnadh an ni a bha caillte. Gu ma fada dh' fhanas Eaglais na h-Alba 'na h-eaglais shoisgeulach, 's a bhios a sagairtean air an sgeadachadh le fireantachd ! Gu'n doirteadh Dia air a luchd dreuchd 's air a luchd coman- achaidh an Spiorad Naomh, 's gu'm biodh iad seasmhach, neo-ghluasadach, a' sior-mheudach- adh ann an obair an Tighearn !

Cha 'n-urrainn sinn cunntas a thoirt an drasd air an obair shoisgeulach a tha 'n Eaglais a' giulan air aghaidh ann an duthchannan cein. An uiridh chosg i cbrr is da fhichead mile 's a seachd deug (£57,298) anns an aobhar sin, 's bha ochd fichead duine geal is da cheud gu lath ceistear a saothrachadh am measg chinn- each. Ach tha 'n obair a' fas, 's tha feum an da chuid air luchd oibre 's air airgiod. Cha 'n urrainn sinn tarruing air ar n-ais gun naire. Ach is ann airson aire ar luchd leughaidh a tharruing gu pairt eile de'n obair a thug sinn iomradh air an rud idir. Gad a tha 'n eaglais dichiollach gu bhi cur an t-soisgeil a dh' ionnsuidh nan duth- channa borb, cha'n'eil i 'na tamh aig an tigh. Tha i a' cur roinipe meadhonan nan gras a thoirt dluth do gach dorus anns an duthaich. Tha e tachairt gle bhitheanta gu bheil oisainnean anns na seann sgireachdan far a' bheil an sluagh fad o eaglais 's o thigh coinneamh, no gu bhail bail- tean iira ag airidh suas far nach eil eaglais idir, no gu bheil an sluagh cho dumhail 's nach 'eil aite ri fhaotainn 's na h-eaglaisean a tha cheana togta. Ciod air bith a ni eaglaisean eile, tha a mar fhiachaibh air Eaglais na h-Alba an dlaasd- anas sin a ghabhail os laimh, agus meadhonan nan gras a shuidheachadh air feadh na tire gu leir, air chor 's gu'm bi cothrom aig a h-uile duine feitheamh air Dia ann an orduighean an t-soisgeil. Tha tri fichead bliadhna bho chuir- eadh a' cheud chlach anns an togail so lais an duine dhiadhaidh an t-Olla Saumas Robertson agus o'n am sin gus an diugh chuir an eaglais air chois corr is ceithir cheud sgireachd iir (447) air a cost fhein gu builaach, gun bonn-a-sia fhaot- ainn o'n Chrun. Tha moran dhaoine 'n dull

nach 'eil aig an eaglais steidhichte ach airgiod iarraidh air an staid 's gu faigh i na dh' iarras i. Ach cha b'e sin cobhair nan geas. Is beag a tha 'n Eaglais steidhichte, a' faotainn o'n Chrun. Tha i an earbsa mar tha na h-eaglaisean eile ri tabhartas an t-sluaigh, agus mur fosgail an sluagh an lamb bidh an obair air deireadh. Chaidh deich eaglaisean ura a thogail ann an aitean feumail an uiridh, 's tha aitean eile cho feumail am bliadhna, Tha fiuthair aig an eaglais ri lath cheud mile (£50,000) a thogail mu'n tig sia bliadhna, airson an aobhair so, agus eadhoin 'nuair a bhios sin deanta cha bhi 'n obair ullamh. Mar tha 'n sluagh a fas, feumaidh an eaglais ullachadh air an son.

Tha sinn an dochas gu'n dean buill na h-eaglais an dleasdanas, 's gu'n cuidich iad an obair air a h-aghaidh. Cha deanarclacha-creadha gun chonnlaich, 's cha chumar suas eaglaisean gun airgiod. Mhol sinn aobhar sonruichte do dhuine uaireigin an dochas gun tugadh e cuid- eachadh, ach is e a thuirt e ruinn 'S bear-teach Duneideann Tha sin fior ach cha 'n e sin ar gnothuch-ne.

MUINIGHINN ANN AN DIA.

Do shlighean uile, 's d' iargain,

Thoir thusa suas gu leir Dha san a sgaoil an iarmailt

'S a chruthaich grian is reul. Fear-trebrachaidh nan saoghal

'N an ciirsa ait troirah 'n speur ; Fear-stiiiraidh ne6il is ghaoithean,

Fo d' chois ni sligha reidh.

Cha bhuannachd dhuit, le ciiram

A bhi 'g ad chlaoidh gun tarah ; Tre spairn, no neart, no durachd,

Cha toir thu buaidh gu brath ; Biodh rioghachd Dhe, is 'Aobhar

An comhnuidh dliith do 'd chridh', ' Feith Airsan, is mu'n saoil thu.

Do riin-sa thig gu crich.

Do ghras is d' fhirinn shiorruidh,

O Athair, bheir mu'n cuairt Na chi do mhaitheas fiorghlan

'Tha ceart is glic do 'd shluagh : Na roghnaich Thu d' an taobh-san

Gu cinnteach gheibh do chlann ; Gun nihaarachd is gun chlaonadh

Coimhlionar e 'n a am.

Air eadar. bho Phaul Gerhard : La K. W. G.

Sydney, March 4, 1907.

-^

:.<i

Air. 4.

1908.

AN LIGHICHE.

A Thighearna, thig a nuas mu'm faigh mo lean- abh has: EoiN iv, 49.

An deigh do'n Abstol Eoin cunntas a thoirt air na thachair air oidhche na bainnse air an do rinn losa fion de'n uisge, tha e 'g radh An toiseach so d'a mhiorbhuilean rinn losa ann an Cana Giialile agus dii' fhoillsich e a ghloir. Chaidh fuaim na miorbiiuil ud air feadh na tire gu leir. B'e an t-ioghnadh a chunnaic daoin' air a' bhanais an aon seanchas fad iomadh latha. Chunnaic iomadh suil an rud a rinneadh, 's cha robh aite 'n tachradh cuideachd nach b'e corah- radh dhaibh. Cuid a bha 'ga chreidsinn, 's cuid nach robh, ach bha aon duine gu sonruichte fear de stiubhaird Heroid nach b' urrainn an naigheachd a chur as inntinn. Oir bha mhac fhein gu tinn, agus fichead uair 'san latha, thig- eadh e stigh air co aige thafios nach deanadh losa miorhhuil aiV mo shon. Tha cuid an duil gu'm b'e 'n duine so Chusa, agus gur h-e 'n gniomh trocaireach a rinn losa airson an teagh- laich a b' aobhar do'n mheas a bh' aig lonna bean Chusa Air, oir fhritheil i Bha da maoin, Lucas via, 3.

Cha robh sonas no solas ann an tigh a' bhaillidh fad 's a bha 'n gille tinn, ach mu dheir- eadh an uair a chunnacas gu robh e ri uchd bais, chuir athair roimhe gu ruigeadh e Cana, 's gu'n iarradh e air losa truas a ghabhail do'n leanabh. Rainig e Cana 's dh'innis e ceann- fath a thuruis, ach feumaidh gu'n do chuir am freagradh ioghnadh air Mtir faic sihh comharan agus miorbhuUean cha chreid sibh. Gu de bha Criosd a' ciallachadh 1 Their cuid gu'n do labhair e am facal gu bhi cronachadh an duine airson a mhi-chreidirrih. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil sin ann an tomhas fior, acli cha 'n 'eil uair a leughas mi an naigheachd nach tig e stigh orm gu'n do labhair Criosd am facal so, cha'n ann ris a' bhaillidh ach ris fhein. Bha e mar gu'm biodh e bruidhinn ris fhein. Beagan roimhe so bha E ann an Jerusalem far am fac E gu snilleir gu'm bu bheag aig muinntir ludea a theagasg laimh ris na miorbhuilean a rinn E. Cho fad 's a dheanadh e oibrichean iongantach mu choinneamh an sul, leanadh iad E 'nan ceudan, ach cho luath 'sa stadadh E dheth sm 's a thoisicheadh e air an teagasg, thionndadh iad an ciil ris. Cha do chord sin ris, oir cha b' ann a dheanamh mhiorbhuilean a thainig Esan do'n t-saoghal, ach a thoirt a steach Rioghachd Dhe. Dh' fhairich ~E nach robh muinntir leru- salem 'ga thuigsinn, 's nach robh iad fhathast deas airson a theachdaireachd, 's chuir E roimhe

am bail' fhagail 's dul a Ghalile, an dochas gu'n gabhadh iadsan ris, cha 'n ann air sgath a mhiorbhuilean ach air a sgath fhein.

Ach cha robh E fad ann an Galile gus an do rainig teachdair' E, ag iarraidh air dol gu Caper- naum feuch an leighseadh E gille a Ijha tinn. Bha Galile cho deigheil air iongantasan fhaicinn ri Icrusalem, agus thuirt losa, cha'n ann le feirg ach le brbn cridhe, 's cha 'n ann ris a' bhaillidh ach ris fhein Mur faic sibh comharan agus miorbhuilean cha chreid sibh. Mar gu 'n abradh e Ge b'e aite 'n teid mi, thasuilean an t-sluaigh dall air chor 's nach tuig iad an obair a thug m^ athair dhomh ri dheanamh.

Ach cha do leig an stiubhard air gu'n cual e am facal a labhair losa ; bha ghnothuch fhein a tigh'nn a stigh air, bu choma leis cor spioradail na duthcha laimh ri beatha mhic, 's thuirt e rithist le durachd na h-eiginn A Thighearna, thig a nuas mu'm faigh mo leanabh bas. I)h' eisd losa ri urnuigh an duine, 's thuirt e ns Imich, tha do mhac beo. Thainig an stiubhard gu losa le ealiach broin air a chridhe ach dh' fhag e an lathaireachd naomh le h-aoibhneas mor; air an rathad dhachaidh choinnich a sheirbhisich e, 's dh' innis iad dha gu robh a mhac air dol am feabhas, 's nuair a cheasnaich e fad dh' aithnich e gur h-anns an uair anns an do labhair losa am facal a dh' fhag am fiabhrus an gille. An sin chreid an stiubhard agus a theagh- lach uile gu'm b'e losa mac Dhe. Rinn leanabh beag an stiuradh.

I. Tha iomadh rathad air am Jaod daoine tigh'nn gu Criosd. Anns an t-sealladh a chunnaic an t-Abstol Eoin air an Jerusalem Nuadh, bha da gheata dheug a' fosgladh a steacli do'n bhaile naomh, cuid dhiu air an taobh an ear, cuid air an taobh an iar, air an taobh deas^ 's air an taobh tuath. Is iomadh doigh air a bheil Dia a' cruinneachadh a shluaigh a steach d'a rioghachd ; tha gheata fhein a' fosgladh roinih gach duine, agus gle bhitheanta is e sin an geata mu dheireadh a shaoileadh e. Is beag a shaoil Pol 'nuair a ghluais e gu Damascus a dheanamh geur-leanmhuinn air na Criosduidli- ean gu robh e air a cheum gu aite'jompachaidl', 's gu robh e deanamh calg dhireach air fear de gheatachan rioghachd Dhe. Is beag a shaoil an stiubhard 's a theaghlach 'nuair a thainig tinneas da 'n tigh gu 'n oibricheadh am freasdal sin trbm chudthrom gloire dhaibh. Bha e 'n tois- each 'na chradh 's 'na chuis-eagail dhaibh, ach an deigh laimhe bha e 'na aobhar molaidh. Thug am freasdal searbh a mach toradh siochail na fireantachd. Ged a thainig an teachdair' a

14

dh' ionnsuidh an tighe ann an cruth eagallach is duaichnidh, is e aingeal Dhe a bh' ann fad na h-uine. Mur h-eisd daoine ri aon aingeal cuiridh Dia 'na chaoimhneas aingeal eile thuca. Mur eisd iad ris ann an la na slainte, labraidh E riu ann an la na trioblaid. Mur eisd iad ris a' ghuth chaol chiuin, eisdidh iad ri fuaim an tairn- einich. Dh' fhaodadh an stiubhard so a radh mar thuirt an Salmadair Bri mhaith dhomhsa gu rohh mi air mo sm.achdachadh. Cha searbh idir am freasdal a tha 'na mheadhon air daoine thoirt gu Dia. Is iomadh duine bha dall am feadh 'sa bha e coiseachd ann an cluaintean gorma, a fhuair a fhradharc 'nuair a thug Dia a mach do'n fhasach e. Tha cuid a dhaoin' anns nach duisg beatha gus an teid na tonnan thairis orra, nacli aithnich Criosd anns an latha chiuin, ach a chuireas an aghaidh Air 'nuair a sheideas na gaoithean. Ann an la mo thriohlaid ghlaodh mi air Dia agus chual E mo ghearan. Nach maith gu'n eisd Dia ri urnuigh duine 'na eiginn, gad nach d' fhuair e riamh moladh o na bilean ceudna.

II. Tha a' m'hiorbhuil so a' cur soluis air inntinn Chrioid. Saoilidh cuid gu robh a' cheud fhacal a labhair E ris an stiubhard car fuar, a' toirt bhuaith am beagan dochais a bh' aige Mur faic sibh comharan agus miorbhuil- ean cha chreid sibh. Cha robh Esan riamh fuar no gruamach ri brathair no ri piuthair a bh' ann an glais, 's cha do thionndaidh E air falbh iad gun fuasgladh a dheanamh orra. Cha robh cridhe riamh cho blath ri chridhesan, no duin' eile cho baigheil 's cho truacanta ri chomh- chreutairean. Bha fhios aige nach robh curam do'n leanabh, gu robh E 'dol a dheanamh an leighis 's nach robh cunnart sam bith ann an dail bhig. Bha E smaointinn air athair a' ghille cho mhaith ris a' ghille fhein, 's bha E airson da bheannachd a thoirt do'n teaghlach leis an aon ghniomh leigheas a dheanamh air an leanabh is creidimh a dhusgadh 'na athair. B'e sin reusan na dalach 's tha deireadh na sgeoil a' dearbhadh gliocas Chriosd. I-e faighidinn choisinn e an stiubhard. Bha 'n sluagh a' cur cudthrom air na miorbhuilean a bha E deanamh nach robh E fhein a' cur orra, 's bha na leigh- easan a rinn E a' tarruing air falbh an inntinn- ean o'n obair shonruichte airson an d' thainig E do'n t-saoghal. Thainig e gu bhi 'na lighiche anma 's cha 'n ann 'na lighiche cuirp. Cha robh E airson gu falbhadh an stiubhard leis a' bheachd nach robh ann ach lighiche cuirp. Bha e airson gu'n tuigeadh e gu'm b' Esan da-rireadh an Slanuighear a bha gu teachd 's ris an robh fiuthair aig an t-saoghal, agus dhruidh a bhriath- ran, 's a choslas, 's a ghniomh cho mor air cridhe 'n duine 's gu'n d' aidich e fhein 's a theaghlach Is e so Mac Dhe.

III. Tha cumhachd ann am facal Chriosd. Cha robh E dliith do'n leanabh an uair a rinn E 'n leagheas. Cha do chuir E lamh air, cha 'n fhac E riamh e, bha E c6rr is fichead mile bhuaith, ach labhair E am facal 's bha e deanta. Tha da miorbhuil eile a rinn E air a' cheart doigh, gun E fhein a bhi dluth do'n neach a leighis E nighean na Ban-Chananaach, llata XV, 21-28, agus seirbhiseach a' cheannaird-cheud, Lncas vii, 1-10. An ni a tha eu-comasach do dhaoine tha e comasach do Dhia. Cha chuir tim no astar bacadh air toil Dhe. Ma bha cumhachd Chriosd ann an laithean irioslachd a ruighinn do dh' aitean anns nach robh a lath- aireachd fhein, nach 'eil e moran na's usa 'chreidsinn gu bheil a' cheart chumhachd sin a' ruith air feadh an t-saoghail gu leir an diugh, 'nuair a tha E ann an staid a ghloire 's a' giulan air a h-aghaidh obair le ministreileachd an Spioraid. Ma b' urrainn dhasan ann an laithean a dhaonachd leigheas a dheanamh ann an Caper- naum 's e fhein ann an Cana, a bheil e duilich a chreidsinn gur h-urrainn Dha an diugh daoine leigheas air thalamh ged a tha E fhein air neamh ? Cha chuir astar bacadh air a thoilsan, air tha Spiorad Dhe a' seideadh far an dill leis. Tha Criosd an diugh fhathast ag oibreachadh mhiorbhuilean mar bha e deanamh o shean, agus cha'n fhailnich a chumhachd gu brath. Tha e cho Ian graidh is caoimhneis is truacan- tachd 's a bha E 'nuair a choinnich E ri stiubhard Heroid. ladsan uile th' air an saor- adh leis, tha iad 'na fianuisean air a chumhachd. Cha 'n airidh sinn air teachd a'd ionnsuidh, A Thighearn, ach obair Thusa 'in facal 's bidh sinne slhn.

AN NAOMH BERNARD.

Faodaidh sinn a radh mu na daoin' a sgriobh na laoidhean a bhitear a' seinn ann an eaglaisean ar duthcha, gu bheil iad fhathast beo ged tha iad marbh. Is iomadh car ris an do chuir an diadhair Neunnan a lamh, agus is iomadh leabh- ar a sgriobh e 'na latha leabhraichean a fhuair greim air aire na duthcha 'nuair a chuir e mach iad ach tha e gle choltach nach ann uile gu leir gus na leabhraichean sin a sgriobhadh a chuir Dia Neivman do'n t-saoghal, 's gur h-e 'n laoidh bheag ud a sgriobh e obair a's maireann- aiche rinn e riamh: A shoillse 'n aigh, 's a cheo, le d' bhaoisge caoin,

Stiuir thusa mi ; Tha 'n oidhche dorch', 's mi fad o m' dhachaidh ghaoil

O treoraich mi ; Stiuir mi gach la, cha 'n iarr mi rathad reidh. Gu tir an aigh ; is leor leam ceum air cheum.

15

Tha an laoidh 'na beatha 's 'na Ion do mhilt- ean nach cual iomradh air sgriobhaichean eile Newmain, no eadhoin air ainm. Cha 'n urrainn duine dileab a's fhearr fhagail aig an t-saoghal no laoidh mhaith a gheibh ait' ann an aoradh na h-eaglais, 's a bheir comhfhurtachd is misneach is togail cridhe do dhaoin' eile an uair a tha e fhein 's an uaigh. Tha na laoidhean 'nan teachd- airean soluis aig a bheil iomadh guth, agus na's buadhmhoire am beatha na h-eaglais no eadhoin searmoin. Ma tha e iomchuidh cuimhne chum- ail air na searmonaichean cliuteach a thug Dia do'n Eaglais, tha e cheart cho iomchuidh clach a chuir an cam nan diadhairean a sgriobh na laoidhean sin a dhuisgeas aithreachas ann an cridheachan luchd aoraidh, 's a bheir cuideach- adh is misneach do 'n anam leonte.

Is e sin a tha toirt oirnn tarruing a thoirt air ainm Bhernaird. B' esan am fear mu dheireadh de na seann athraichean, agus a reir teisteanais Luther b'e duine cho naomh 's cho diadhaidh 's a bha riamh air thalamh. Tha corr is seachd ceud gu leth bliadhna o chaochail e, ach ged a bhasaich moran de na rinn e, tha ainm fhathast air chuimhne 's bithidh cho fad 'sa bhios comh- thionailean a' seinn nan oran naomh a rinn e.

Cha robh e ach 'na bhalach 6g an uair a chuir e roimhe a bheatha thoirt thairis do Dhia 's d'a aobhar. Thog e inntinn os cionn nithean aim- sireil, chuir e cul ri toilintinn an t-saoghail, 's ri fearas-chuideachd na h-oige, 's cheangail e fhein ri abaid gu bhi 'na mhanach a' meas nan uile nithean 'n an call air sgath naomhachd beatha is 5irdheirceis eolais losa Criosd. Bha chridhe blath 's a ghuth ciuin 's bha leithid de bhuaidh aig' air daoin' oga 's gu 'm biodh parantan a' folach an cloinne air, le h-eagal gu'n taladh e iad gu bhi 'nam manaich mar bha e fhein. Ged a bha 'n duine naomh so an da chuid iriosal agus eudmhor, 's ged bha e a' meas nan uile nithean 'n an aolach a chum gu'n coisneadh e rioghachd Dhe, cha 'n urrainn sinn gun a radh gu robh e ann an doigh gle eu-coltach ri Criosd, a Mhaigh- stir. An uair a bha Mac an duine anns an t- saoghal, cha d' fholaich E e-fhein o dhaoine ann an abaid, dh' ith is dh' 61 e comhla ri peacaich, 's bha E deas gu dol am measg a cho- chreutairean aig am bainnse 's aig am bais, a' gabhail pairt ann am beath' a bhraithrean. Thug Bernard buaidh air an t-saoghal le teicheadh uaith, ach thug Criosd buaidh air an t-saoghal le larach a sheasamh. Mheasadh Bernard gu'm biodh e air a shalachadh le nithean cumanta 's thionndaidh e uapa, ach leag an Slanuighear a lamh air nithean cumanta is naomhaich E iad. Shaoileadh Bernard nach b' urrainn e bhi anns an t-saoghal gun a bhi dheth, ach dh' fhan Criosd anns an t-saoghal 's cha robh e dheth. Cha do chunnt an Slanuighear gu robh aoibh- neas no toilintinn 'nam peacadh 's ged a bha E

air a dheanamh foirfe tre fhulangas cha do shir e riamh fulangas air sgath fulangais. Cha b'e sin do Bhernard. Cheus e iarrtus na feola, 's chum e chorp fo leithid de smachd 's nach blaiseadh e biadh gus am biodh e an impis fann- achaidh. Cha tugadh e dha fhein a leoir de'n chadal, 's mheasgadh e am biadh a dh' itheadh e le stuthanan searbha air eagal gu'm biodh e mills do'n bhlas. Thug e leithid a dh' fhuath do dh' amaideachd dhaoine, 's do sheanchas faoin an t-saoghail 's gu'n do chuir e cloimh 'na chluasan air chor 's nach cluinneadh e faoin sgeul sam bith. Bu cheol 's bu bhiadh dha a bhi beachd-smuaineachadh air Criosd 's air fhulangas air a' chrann-ceusaidh, 's aig na h- amanan sin cha chluinneadh 's cha 'n fhaiceadh e na manaich eile ged a bhiodh iad mu'n cuairt air. Chaidh iomradh air naomhachd a bheatha 's air 'eolas anns an fhirinn air feadh na Roinn- Eorpa gu leir, 's bha iochdarain is uachdarain araon a' toirt urraim agus speis dha. Chuireadh f hacal righ air a' chrun, 's cha robh aig' ach a mheur a thogail 's dheanadh e sith no aimhreite. 'Na dhusgadh bhiodh e a' beachd-smuain- eachadh air Criosd gun sgur, 's na chadal bhiodh ainm an t-Slanuighear gu trie air a bhilean. B'e Criosd grian anma Bhernaird, mar a tha e fhein ag innseadh anns an laoidh a leanas. Tha i air a tionndadh gu Gaidhlig le Mr Iain Mac Illebh- ain, agus gabhaidh i faotainn ann an "Laoidhean agus Dain Spioradail":

losa ! 'se smuaineach ort gun tamh

A chuireas blaths am chridh';

Ach 's fhearr bhi faicinn d'aghaidh ghraidh

'S ad lath'r a' mealtainn sith'.

Cha 'n aithris beul, 's cha smuainich cridh'

No inntinn, fuaim cho caoin

Ri d'ainm ro naomh, Fhir-shaoraidh ghraidh,

A Shlanuighear chlann-daoin'!

Pailteas is meud saor mhaitheas Dhe

Cha 'n aithris beul no peann ;

Gradh los', ar Slanuighear, ciod e

Cha 'n aithne ach d'a chlann.

O losa, tobar beatha 's blaiths,

Do 'n t-saoghal 's tu a's grian;

De 'r n-uile shonas 's tu a's fhearr,

'S ar n-agh os cionn ar miann.

'S tu mhain 's an t-saogh'l ar sonas mor,

Mar 's tu fadheoidh ar duais ;

losa, bi dhuinn a nis mar ghloir,

'S ar solus siorruidh shuas.

Cha 'n e latha maith nach tigeadh ach an droch dhuine nach fhanadh ris. Nam biodh faighidinn aig daoine chitheadh iad gu'n toir Dia dhaibh an ni tha feumail. Am measg ar peacanna cha 'n 'eil h-aon a's cumanta na cion faighidinn.

16

A' CHAISG.

Tha Di-domhnaich Casg ni's anmoiche na's abhaist am bliadhna. Ged is e so an latha tha cumail cuimhne air aiseirigh Chriosd, 's ged a bu choir faireachduinnean sbluimte bhi air an dusgadh ann an cridheachan Chriosdhuidhean le theachd, bha e fad tiine mhoir 'na aobhar connspoid is aimhreit' anns an eaglais. Cha robh na creidmhich a' cordadh mu'n latha air am bu choir an fheill a bhi air a cumail. Bha aon la aig Eaglais na h-airde n-ear, 's la eile aig Eaglais na h-airde n-iar, B'e latha na Caisge aon de na puingean air an robh dealachadh eadar Eaglais Cheilteach na h-Alba agus Eaglais na Roimhe. Mu dheireadh dh' fhas an conn- sachadh cho teth 's gu'm b' eiginn do Righ Osui dol 'san eadargain. Bha coinneamh aig an da thaobh ann a Whitby ann a 664, 's thuirt an Righ gur h-e Eaglais na Roimh' a f huair a chuid a b' fhearr de'n argumaid 's thug e bhreth air a taobh. Air reir cunntas an latha diugh tha e gle choltach nach robh h-aon dhiu ceart, ach feumaidh sinn a radh gu bheil cunntas na Caisge 'na ni cho dorcha oirnn fhein 's nach deanam- aid dad dheth mur a bhi am Feillire. Tha sinn lan-toilichte a' cheist fhagail ann an lamhan sgoileirean air a bheil cinn gu cunntas. Bha facal aig na seann daoine gu'n tuiteadh a' chaisg air a cheud Di-domhnaich de'n Earra-dhubh 'san Earrach.

Bha 'n latha air a chumail am measg nan cinneach mu'n robh e air a chumail am measg nan Criosduidhean. Cha d' fhuair na creid- mhich ach iasad dheth. Bha na paganaich a' gleidheadh na feille so chum aoradh a dheanadh do dhia an Earraich. An uair a thigeadh an t-earrach 's a bhiodh beatha 's fas ri fhaicinn anns a' chruthachadh gu leir, bha e gle nadurra gu'n deanadh na cinnich, aoradh do'n Chumh- achd a bh' air a chul sin. Dh' fheuch na Criosduidhean ri stad a chur air a' chleachdadh ach cha deachaidh sin leotha. Bha na athraich- ean glic 'nan latha, 's rinn iad a chuid a b'fhearr de'n chuid bu mhiosa ; thug iad seadh ur do'n fheill, 'r, ghabh iad rithe ann an aoradh na h-eaglais, gus an do tharruing iad an sluagh o bhi deanamh gairdeachais ann an eirigh na greine 's ann an dusgadh na talmhainn aig teachd an earraich o mharbhantachd a' gheamh- raidh, gu bhi deanamh gairdeachais ann an eirigh Grian na fireantachd 's ann an aiseirigh Chriosd o na marbhaidh. Tha e iomchuidh gu'n duisgeadh an latha so a tha toirt sgeil mhor aoibhneis do'n t-saoghal gairdeachas agus solas ann an cridheachan dhaoine. Anns an Eaglais Phapanach co dhiu roimh am an Ath-leasachaidh bhiodh cleir is comhthionailean, an deigh dhaibh aoradh a dheanamh anns a' mhaduinn, a' cluich 'sa dannsadh 'san fhreasgar,

's ris gach seorsa de dh'fhearas-chuideachd is baoth shugradh Cha 'n 'ail sin ri .-nholadh ged a tha 'n smaoin a bh' air cul a' ghnothuich ceart gu leoir. Faodaidh duine dol air an each gun dol thairis air, 's faodaidh daoine gairdeachas a dheanamh ann an teachdaireachd is soisgeul na Caisge ged nach dean iad iomain no dannsa. Tha cleachdadh aca ann an Russia a tha gle ghasda. ^ Air an latha so bidh daoine cur failt air a cheile le pog na Caisge, 's nuair their an dara duine le guth ard Dh'eirich E, abraidh an duine eile Dh'eirich E d.a-rireadh. Is ann a reir mar a thuiteas a' Chaisg a tha moran de na feilltean eile air an gleidheadh agus faodaidh gur h-e sin a's aobhar gun abrar ri Di-domh- naich Casg— Ban-Righ nam Feilltean. Seachd seachduinnean roimh 'n Chaisg tha 'n Carghas agus is e a' cheud latha de'n Charghas an Inid. Fad na seachd seachduinnean sin tha moran de Chriosduidhean an t-saoghail a' trasgadh a' leantuinn eiseimpleir Mhaois is Elias is Chriosd a thraisg da fhichead latha. Tha iasg air a cheadachadh ged nach 'eil feoil. Cha 'n 'eil sinn an duil gu bheil feum sam bith 'sa chleachdadh do bheatha spioradail dhaoine, ach tha sinn an amharus nach misd daoine trasgadh an drasd 'sa rithist airson slainte cuirp. 'S fhearr beagan de 'n charghas no tuilleadh 'se choir de'n gheocair- eachd.

daoine anabarrach beachdail comharan na bliadhna. Bu h-uile ni a thigh'nn 'na am fhein, 's mur tigeadh thigeadh ni bu mhiosa. Bhiodh iad ag radh:

Nead air Brighde, uhh air Inid, Eun air Caisg, Mur bi sin aig an fhitheach dhuhh, hithidh ain has.

Bha iad a' creidsinn cuideachd gu robh Inid is Caisg an aghaidh a cheile, 's nam biodh sid mhaith ann air an dara latha gu'm biodh sid rapach ann air an la eile

Thuirt an Inid ris a' Chaisg,

C ait amjaigh mi aite duich ?

Thoir thusa dhomhsa pailliu7i geamhraidh

'S togaidh mi tigh samhraidh dhuit.

Bha cuid de na seann daoin' a' creidsinn gu'n deanamh a' ghrian ruidhle dannsa, an deigh dhi eirigh air maduinn Di-domhnaich Casg agus chuala sinn bodach coir ag radh gu fac' e ghrian a' turamanaich le dha shuil fhein. Thacuimhn' againn eirigh trath air maduinn Caisge, 'nuair bha sinn na b' oige na tha sinn an diugh, feuch am faiceamaid a' ghrian a' deanamh na goraiche a bhatar a' cur as a leth. Ach tha e coltach nach robh sunnd ceart oirre air a' mhaduinn ud co dhiu cha do rinn i dannsa. Cha robh againn ach tilleadh dhachaidh, 's na h-uighean a bhruicb, 's dol 'gan ruidhleis sios air Baca-Bhabhuinn.

Bha na seann air an t-sid 's air mhaith leotha a

i 1

Air. S.

1908.

AM BUACHAILLE MAITH.

Is mise am BvMchaille maith. Eoin 10. •Cha do labhair Criosd riamh facal iiime fhein a's maisiche no 'm facal so. Is toigh leis an oigridh e, agus is toigh bis na seann daoin' e. Tha e mar a tha 'n cruthachadh mu 'n cuairt oirnn, daonnan ur, 's cha chaill e driuchd na maidne. Cha chuimhne leinn an t-am anns an d' ionnsaich sinn aig gliin ar mathar an t-salm : Is e Dia fein a's buachaiW dhoiiih Cha bhi mi ann an dith agus o'n latha sin gus an diugh bha na briathran dhuinn 'nan creud. Cha bu chreud m5r e, ach bu leor e. Theagaisg e dhuinn ann an laithean ar-n oige gradh agus maitheas Dhe, agus mar a bha na bliadhnachan a' dol seachad bha iad a' toirt dhuinn an tuillidh dearbhaidh air firinn creud ar-n-oige 's air cairdeas is caomhalachd an Ard Bhuachaille. Is ann an deigh do losa chluinn- tinn gu 'n do thilg na Pharasaich a mach an duine dall da 'n d' thug e a fhradharc, a labhair e an teagasg air a bheil Eoin a' toirt iomraidh anns an deicheamh caibideai. Cha robh na Pharasaich idir toilichte gu 'n do leighseadh an <luine dall. Bha 'n gniomh da rireadh trocair- each, ach cha robh bheag de throcair 'nan cridhe-san. An aite Dia a mholadh gu 'n d' fhosgail e suilean an doill, thilg iad a mach an duine truagh a chionngu'n d'aidich e cumhachd agus trocair Chriosd. Chuir deanadas nam Pharasach mulad air an t-Slanuighear, oir leig e fhaicinn dha nach robh bheag de spiorad an f hior Bhuachaille 'nan cridhe, ged a bha iad 'nan aodhairean ann an Israel aig an am. Agus tha e mar gu 'm b' eadh ag radh ris an t-sluagh Seallaibh mar a thachair do 'n duine dhall fo lamh na Pharasach. Sin agaibh droch bhuach- ailleachd, ach is mise am Buachaille maith. Cha tilg mise bhuam aon de na caoirich, cha ghabh mi tamh no fois fhad 's a a bhios gin de 'n treud air chall, 's leiginn sios mo bheatha airson an aoin a's miosa dhiu. Faodaidh suim a bhi aig eadhoin droch bhuachaille do chuid de na caoraich, ach gabhaidh buachaille maith curam do 'n treud uile, maith is dona mar tha iad ann.

/. Is e aon de chomharan a' bhuachaille cheart, ilachda bhiaige 'na obair. Is docha leis an fhear tuarasdail a thuarasdal no na caoraich, 's bhiodh e cheart cho toilichte aig obair eile nam faigheadh e uiread tuarasdail. Is beag aige cor an treuid lainih ri chomfhurtachd fhein. Cha chaill e cadal na h-oidhche ged nach biodh sgeul air cuid de na caoraich, 's cha chuir e bheatha ann an cunnart air an son. Cha b' urrainn e radh

[ mar a thuirt Buachaille Israel— Ma sheirbh- iseach ag tonaltradh chaorach 'athar, agus an uair a thainig leomhan no math-g/tamhuinn, agus a thug e uan as an treud ; chaidh mi mach 'na dheigh agus shaor mi as a bheul e. B' e sin spiorad Chriosd. Bha tlachd aige 'na obair. Ghabh e os laimh i gu toileach. Cha 'n e ghloir fhein a bh' aige 's an t-sealladh ach gloir an Athar agus maith nan caorach. Cha ruigeadh E leas a bhi 'na bhuachaille idir mur b'e sin a dheagh thoil fhein, agus bu leor an duals leis fhios a bhi aige gu robh an treud sabhailte. Cha b'ann 'na aindeoin a ghabh e os laimh 'obair, ach a chionn gu 'n do ghradhaich e 'n treud, agus eadhoin an uair a b' eiginn dha bheatha thoirt airson nan caorach, bha 'aoibhneas a' cur thairis. Tha toilintinn an t-seirbhisich mhaith ni 's motha ann a bhi faicinn 'obair a' soirbh- eachadh no ann a bhi faotainn a thuarasdail. Bha e 'na mhor aoibhneas do Chriosd a bhi faicinn toradh saothair anma. An uair nach robh cor an treuid mar bu mhaith leis, bha chridhe Ian broin. Ghuil e os cionn lerusalem 'nuair a smuainich e air cor br6nach a' bhaile, ach an uair a thugadh fios d'a ionnsuidh gu robh cuid de na caoraich a bhacaillteair am faotainn, tha sinn a' leughadh gu 'n do rinn e gairdeachas 'na spiorad 's gu 'n do mhol e Dia. Bha e 'na dhuine dhoilghiosan agus eolach air bron fhad 'sa bha na caoraich air seacharan, ach an uair a philleadh iad air an ais do'n treud, bha aoibhneas Chriosd do-labhairt agus Ian de ghloir. Bha spiorad an fhior bhuachaill' air a ghiulan, agus bha briathran an fhaidh air an coimhlionadh ann :— Air sgath Shioin cha bhi mi a'm' thosd, agus air sgath lerusaleim cha ghabh mi fois; gus an teid a fireantachd a mach mar an solus dealrach, agus a slainte mar leus lasarach.

//. Dhearbh am buachaille maith a dhitseachd le basachadh airson nan caorach. Cha b' urrainn gradh dol na b' fhaide. Dh' fhaodadh gradh gu leoir a bhi aig duine d'a charaid goirid air gu 'n leigeadh e sios a bheath' as a leth, ach 'se gloir an t-Slanuigheargu 'n do ghradhaich e a bhraith- rean gus an ceum a's fhaide mach. O'n uair anns an d' thug esan suas an deo air Calbhari tha 'n saoghal dearbhta gu bheil gradh Dhe do-rannsaichte. Tha e gun cheann gun chrich. Tha e o shiorruidheachd gu siorruidheachd, 's mar nach robh toiseach aige, cha bhi deireadh aige. 'Nuair a bheachd -smuainicheas sinn air gradh Dhe, tha sinn mar gu 'm biodh a' chlann bheag ri taobh na mara nach urrainn a radh ach a fad, agus leud, agus farsuingeachd a' chuain, cha ghabh e tomhas. Their daoine gu bheil comharan anns a' chruthachadh mu 'n cuairt

18

oirnn gur gradh Dia. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil sin fior, ach is e an aon chomharadh cinnt- each, bas Chriosd. Tha Dia a' moladh a ghraidh fein duinne, do bhrigh, an uair a bha sinn fhathast 'nar peacaich, gu 'n bhasaich Criosd air ar son. Cha b'e na tairngean a chuir na saigh- dearan 'na lamhan 's 'na chasan a cheangail Criosd ris a'chrann-ceusaidh ach a ghradh fhein. Shaor e daoine eile ach cha saoradh e e fhein. Dh' f haodadh e an cupan searbh a chuir bhuaithe aig an aon uair deug, ach cho do rinn e sin, do bhrigh gur h-ann a dh' ol a' chupain a thainig e do 'n t-saoghal. Co is urrainn labhairt air gradh Chriosd mar bu choir, no an dara leth d' a shaoibhreas a thoirt gu solus ! B'e sin diomh- aireachd na diadhachd a rannsachadh. Nam faigheadh duine sealladh air gradh an t-Slan- uighear 'na iomlanachd, cha seasadh a chridhe ris an f hoillseachadh ghlormhor ; thuiteadh e air aghaidh air an lar gun chainnt mar neach marbh. Tha ghradh-san a' dol os cionn eolais nan ainglean, '.s ged nach fhaic sinne ach oisein beag dheth, is leoir sin fhein gu toirt oirnn tuiteam air ar gliiinean 'sa radh mar thuirt Eoin Dhasan a ghradhaich sinn agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhein, dhasan gu rohh gloir agus cumhachd gu saoghvl naii saoghal.

III. Is aithne do '?j BhuachailV a chaoraich. Tha cunntas aig' air na feadhainn a tha sabhailte 's a' chr6, ach tha cunntas aige cuideachd air na feadhainn a tha mach air na raointean. Ged a chaidh lad air seacharan, 's a dh' fhaodas iad a bhi 'nam fogarraich fad air falbh o'n bhaile, cha luaithe chluinneas iad guth a' bhuachaille na dh' aithnicheas iad e. Tha sinn an dull gur h-e bha Criosd a' ciallachadh leis an f hacal so gu bheil ni-eiginn ann fhein agus ann an anam an duine tha freagairt d'a cheile. Tha iad air an deanamh airson a cheile 's gus an coinnich iad cha bhi anam an duine sasuichte 's bha bhi aoibhneas Chriosd Ian. Mur b'e agus gu bheil ni-eiginn ann an cridheachan dhaoine tha 'g innseadh dhaibh gur h-esan am buachaille ceart, cha 'n eisdeadh iad ri ghuth. Eadhoin anns an tir chein cha dichuimhnich am fogarrach bochd an dachaidh o'n d' thainig e. Ged a b' ann air a' mheadhon oidhche, 's gun fiuthair aige ris, a chluinneadh e guth 'athar, dh' aithnich- eadh e an guth. Eadhoin an uair a tha daoine 'gan toirt fhein thairis do 'n pheacadh, tha ni-eiginn 'nan cridhe a toirt' fianuis air an Dia a threig iad. Rinn Dia an t anam air a shon fhein 's cha bhi fois aig an anam as eugmhais Dhe. Tha seann chairdeas eatorra nach urrainn iad a dhi-chuimhneachadh. Ged nach biodh gnothuch aca ri cheile fad iomadh bliadhna, cha luaithe thig iad dluth da cheile no their Dia Is leamsathu,'s their an t-anam Is leatsa mi. Tha m' Buachaill' ag aithneachadh na caorach, 's tha chaora 'g aithneacha dh a' Bhuachaille. Ach ged

a tha e fior gur h-aithne do shuil a' Bhuachaill a chomharadh fein eadhoin air na caoraich chaillte th' air an reubadh leis na drisean 's air an salachadh le eabar is poll, tha aithne a's fhearr aig air na caoraich a tha daonnan fo shuil anns a' chrb. Tha eolas aig Dia air a shluagh. Bu choir sin a bhi 'na mhisnich dhaibh, ach bu choir e bhi dhaibh 'na chronachadh mar an ceudna. Tha eolas Dhe oirnn an da chuid 'na ghloir 's 'na eagal. Air uairean their sinn 0 nach robh mo chridhe J'oluichte o shuil Dhe. Ach uairean eile their sinn Moladh do Dhia gur h-aithne dha mo chor mar nach aithne do dhuine.

Chaidh sinn uile mar chaoraich air seacharan. 's tha cuid de na caoraich cho fad air chall 's nach bu lugha na 'm Buachaille maith fhein nach tugadh suas duil dhiu. Ach feadh chreag is shloc tha Esan a' dol as an deigh, gus a faigh e iad. Cha sgithich a ghradh, 's cha stad a shiubhal. Ged nach d' fhosgladh an dorus dha an dfe, feuch tha esan 'na sheasamh aig an dorus an diugh agus a' bualadh. Faighidinn agus- caomhalachd agus gradh Chriosd nach bu choir gu'n leaghadh iad an cridh' a's cruaidhe. Is e iadsan na daoine sona a's urrainn an laoidh a sheinn :

Rag, faoin, is trie a chaidh mi thaoibh Ach lorgaich e 'na ghradh mi 'S gu truacant' air a ghuaillean caomh Thug dhachaidh slan le h-agh mi. Mar so co-bhuan ri fad mo laith, Silidh do lamhan maitheas Seinneam do chliu, mo Bhuachaill' graidh Ad thigh, gu brath, am flaitheas.

A' BHEALLTAINN.

Gug-ug ars' a' chuthag Laiha buidhe Bealltainn.

Cha 'n 'eil ioghnadh ged a dheanadh duine 's- beathach gairdeachas ann an teachd an t-samh- raidh. Tha 'm blaths a' dusgadh beatha anns a' chruthachadh uile, 's tha fas is maise ri fhaicinn air gach taobh. Os ar cionn anns na speuran tha coisir-chiuil a' seinn gun sgur, 's tha 'n talamh fo ar casan mar gu 'm biodh brat aillidh air a dhealbh an iomad dath. Ann an og mhios an t-samhraidh tha 'n saoghal cho maiseach, 's tha leithid a shaoibhreas 's a dh' aillidheachd air an sgaoileadh niu choinneamh ar siil, 's gur marbh an cridhe anns nach duisgear moladh is taing- ealachd do 'n Ti uile- chumhachdach a tha deanamh na miorbhuil so le cumhachd a laimhe :

Is mor ar Tighearn agus is mor a chumhachd : Tha a ihuigse gun tovihas : Seinnibh do lehobhah le buidheachas :

t.

19

Deanaibh eeol da 'r Dia-ne air a' chlarsaich :

A chomhdaicheas neamh le nebil,

A dh' ullaicheas uisge do 'n talamh,

A bheir air feur fas air na sleibhtean

Oir tha ainmsan a mhain air ardachadh

Tha a ghloir os ceann na tahnhainn agus nan

neamh. Tha e gle choltach gu robh ceud latha 'n t-samhraidh air a choimhead anns na laithean a dh' fhalbh mar latha feille, 's gu 'm biodh an aois 's an oige a' cur seachad an latha le cluich is abhacas is fearas-chuideachd. Bhiodh iad ag eiridh trath 'sa mhaduinn, 's a' dol a mach do na raointean a chruinneachadh fhlur 'sa dhannsa. Cha 'n 'eil fad o stad an seana chleachdadh sin ann an Sasunn, 's cha 'n 'eil sinn cinnteach nach 'eil beagan dheth a lathair fhathast. Ach a reir coltais cha robh moran suim aig na Gaidheil do na fliiraichean. Is ann do tlieine bha iadsan a' toirt urraim ann an cleachdanna latha Bealltainn. Tha sgoileirean ag radh gur h-e a's ciall do 'n fhacal, teine Bheil, aon de na diathan a bh' aig na Gaidheal, dia an i-.^^oluis. Bha ar n-athraich- ean a' deanamh aoraidh do 'n ghrein, 's ged is fhad o chaidh na laithean sin seachad, tha cleachdannan aig daoine fhathast a thoisich ri linn an aoraidh sin. Tha moran dhaoine nach rachadh an aghaidh na greine airson an t saogh- ail. Mas ann air mullach na cruaich arbhair a bhios iad, theid iad mu 'n cuairt deiseil ; mas ann aig tiodhlacadh a bhios iad, seachnaidh iad an rathad a's usa mas eiginn e los tigh'nn a dh' ionnsuidh na h-uagha deiseil ; cuiridh iad an gloine rau 'n cuairt aig a' bhord deiseil. Tha iad cinnteach ma ni iad rud sam bith tuathal, gu 'm bi 'n tubaist 'na lorg. Gu de tha sin ach seorsa de chuimhne air creidimh ar n-athraichean an uair a bha iad a' deanamh aoraidh do 'n ghrein.

Bha chuid mhor de dhuthchannan an t-saoghail a deanamh aoraidh do Chumhachdan Naduir, mu 'n d' fhuair iad eolas air an t-soisgeul, 's bha e gle nadurra gu measadh iad a Ghrian airidh air urram os cionn gach ni eile. B'e ghrian Mathair an t-soluis, Mathair na teas, Mathair fas is toraidh, 's tha e furasda gu leor a thuigsinn gu 'm biodh an t-am de 'n bhliadhna anns a bheil i ruighinn airde neirt air a chomharrachadh a mach mar am freagarrach airson aoradh a dheanamh dhith, agus gairdeachas a dheanamh 'na baighealachd 's na cuinhachd.

Air latha Bealltainn bha na teintean air an cur as anns a h-uile tigh, 's bha 'n sluagh a' cruinn- eachadh gu bhi fadadh teine do Bheil. Anns an fheasgar bhiodh na teintean air am fadadh a rithist le gradan a teine na Bealltainn. 'S iomadh rud a bha dol air aghaidh air an latha so, nach ruigear a leas tigh'nn thairis air. 'Nuair a chuir an creidimh Criosduidh as do dhiathan breige nan Gaidheal, dh' fheuch an Eaglais ri toirt air

an t-sluagh stad de na chleachdannan a bh' aca ri linn an t-seann aoraidh. Ach cha robh sin furasda do 'n Eaglais a dheanamh. Ged a dh' atharraich an sluagh an creud, bha car de thaoibh aca ris na seann ghnathannan, agus is iomadh rud a dheanamh iad nach bu mhaith leo fhios a bhi aig an t-sagart air. Ged a shuidheadh iad anns an eaglais Di-domhnaich, 's a dh' aontaich- eadh iad ris na theireadh am ministear co dhiu nach cuireadh iad 'na aghaidh rachadh iad Di- luain 's dheanadh iad ubagan is orachan is giosragan mar a b' abhaist. Anns a' bhliadhna 1655 dh' iarr Cleir lonar-feothaireiri air na ministearan achmhasan geur a thoirt d'an coimh- thionailean airson a bhi dol troimh 'n arbhar le teine airlatha Feill-Sheathain latha meadhonach an t-Samhraidh. Cha do leig an sluagh dad orra, ach cha do chuir facal na cleire stad air an rud. Is fhad o thoisich ministearan is foirfich lonarnis air trod ri muinntir a' bhaile airson a bhi dol gu tobraichean naomha, ach an diugh fhathast air a' cheud mhaduinn de 'n t-samhradh, bidh muinntir lonarnis 'nan ruith 's 'nan reis a' deanamh air tobair naomh Chiil-fhodair.

Air latha Bealltainn bhiodh na seann daoin" a' lasadh da theine dluth d'a cheile, 's bhiodh iad ag iomain a' chruidh eatorra. Bhiodh iad a' cur na cloinne eatorra cuideachd, Bha iad an dull nach eireadh olc do ni no do neach a rachadh troimh 'n teine nach laidheadh suil orra, 's nach b' urrainn do bhuidsich no do shithiche cron a dheanamh orra. Bhiodh iad a' bruich bonnach mor coirce 's 'ga thilgeil 'na chrioraagan far an gualainn, 's a h-uile criomag a thilgeadh iad dh' abradh iad :

Sud dhuitse, shionnaich, seachain mo chaoraich, Sud dhuitse, fhilhich, seachain m! uain,

agus rannan eile de 'n t-seorsa sin, a' dol thairis air a' chrodh 's air a' chloinn 's air gach ni a bh' aca, ag iarraidh gun dionadh Athair nan dul is Righ an fhortain iad o ghaoid 's o ghalair, o thubaist 's o bhas- Tha ministear a bh' ann an Calasraid o chionn da cheud bliadhna ag innseadh gu 'm biodhte lasadh teine Bealltainn air na cnuic, 's a thuilleadh air sin gu 'm biodh balaich agus buachaillean a' deanamh bonnaich ris an abradh iad bonnach Bealltainn. 'Nuair a bhiodh am bonnach bruich, bhiodh e air a bhriseadh 'na chriomagan, 's air a thilgeil ann am boinneid fear de 'n chuideachd. Bha aon de na criomagan airaduthadh, 's chuireadh iad uile an lamh 'sa bhoinneid 's bheireadh iad aisde criomag de 'n bhonnach mar gu 'm biodh iad a' togail chrann. Uh' fheumadh am fear air an tigeadh am bonnach dubh leum tri uairean troimh 'n teine. Faodaidh gu 'n do thoisich an cleachdadh anns na laithean anns am biodh iad a' tilgeil chrann feuch co a rachadh iobradh oir tha e coltach gu robh an cleachdadh uamhasach

20

sin anns an duthaich so cho mhaith ri duthchaiina borb eile. Stad sin o chionn nan ceudan bliadhna, ach ged nach robh fhios aig balach Chalasraid gu de bu chiall do 'n rud, 'nuair a bheirte air leum tri uairean troimh theine, faodaidh gu robh an cleachdadh 'na sheorsa cuimhne air na laithean a dh' fhalbh, 's air gnathanna borb a bh' aig ar n-athraichean.

Air oidhche roimh latha Bealltainn bhiodh na seann daoine a' toirt fior aire do 'n chrodh air eagal gu 'm biodh an toradh air a thoirt as a' bhainne. B'e so an oidhche anns am faigheadh na buidsichean cead an coise, 's anns am biodh iad a' dol am measg a' chruidh ann an iomad cruth. Bhiodhte 'ga fuadachadh air falbh le bhi crathadh fior uisge air druim a' chruidh, a' ceangal an earbaill le snath dearg, a' crochadh bad caoruinn air ard-dhorus na bathigh, 's ag radh rannan sonruichte am feadh 's a bhiodhte deanamh sin. Nam biodh an t-im deas aig bean an tighe roimh eiridh na greine air latha Bealltainn, cha 'n eiridh beud do 'n chrodh air a' bhliadhna sin.

Tha latha Bealltainn a' tuiteam daonnan air an latha de 'n t-seachduinn as deigh an latha air an do thuit a' bhliadhn' iir. Theireadh na seann daoine Nollaig an diugh, Bealltainn a maireach. Bha Bhealltainn 'na clach mhileanns a' bhliadhna. Cha chuala mi m' athair ag radh riamh April no lune : theireadh e Mios an deigh Bealltainn no tri seachdainnean roimh Bhealltainn, air reir mar bhiodh an latha. B'e 'n doigh cunntais a bh' aige uiread de laithean roimh no an deigh Nollaige, An Fhaoillich, Fheill Bride, Fheill Par^iig, Bealltainn, luchar, Lunasdal, Samh- ainn. Ach 'se rud a's miosa, nach bi gin d'a mhic a' cunntas air an doi"h cheudna.

BAISTEADH.

Tha eagal oirnn gu bheil moran dhaoin' an diugh a' call meas air sacramaid a' Bhaistidh. Tha so gle iongantach, gu sonruichte anns a' Ghaidhealtachd far a bheil daoin' a' sealltainn air Sacramaid Suipeir an Tighearn ann an doigh cho soluimte. Tha iad a faireachduinn gu 'm biodh e 'na chionnt uamhasach iad a thigh'nn gu bord a' chomanachaidh ann an doigh aotrum, gun iomradh air gu de tha 'n t-Sacramaid a' ciallachadh. Tha sin r'a mholadh, oir tha 'n t-ordugh 'gar toirt aghaidh ri aghaidh ris na firinnean a's doimhne 's a' chreidimh Chriosd- uidh, aghaidh ri aghaidh ri diomhaireachd na diadhachd. Ach tha Sacramaid a' bhaistidh a' deanamh sin mar an ceudna, 's tha e na ni cho soluimte do dhuine baisteadh iarraidh d'a chloinn 'sa tha e comharadh iarraidh airson a' choman-

achaidh. Ach tha moran dhaoine nach 'eil a' saoilsinn sin. Ged nach gabhadh iad orra airson an t-saoghail tigh'nn a dh' ionnsuidh a' bhuird, iarraidh iad baisteadh gun fhiamh, gun eagal. Tha iad a' sealltuinn air mar rud a tha freagarrach a dheanamh a chionn gur h-e sin cleachdadh na duthcha, ach an taobh a mach dheth sin cha 'n 'eil iad an duil gu bheil feum mor sam bith ann : tha 'n leanabh a' faotainn ainme, ach sin uil' e. Cha 'n 'eil an corr aca mu thiomchioll, 's cha mho tha iad a' faireachduinn gur h-fheairrd no gur misd iad fhein no 'n clann an rud a bh' air a dheanamh. Cha 'n 'eil iad a' sealltuinn air a' Bhaisteadh mar gu 'm b'e Sacramaid a th' ann idir.

Bhiodh e gu buanachd mhor do bheatha na h-Eaglais nan tugadh an sluagh am barrachd suim do Bhaisteadh, 's nam biodh an t-sacramaid air a togail a dh' ionnsuidh an ait' a th' air a thoirt dhith ann an Leabhar Aidmheil a' Chreid- imh, 's ann an Riaghailtean na h-Eaglais Ath- leasaichte mu Aoradh FoUaiseach. Los so a dheanamh bhiodh e 'na chuideachadh mor nam feuchadh ministearan is seiseinean ris an t-sac- ramaid a fhrithealadh ni bu bhitheanta anns an eaglais. Bheireadh so an da chuid cothrom do'n mhinisteir teagasg a thoirt mu'n t-sacramaid do 'n choimhthional uile mar nach h-urrainn e dheanamh air dhoigh eile, 's ghabhadh an t-ordugh a fhrithealadh air mhodh a's soluimte no ann an tigh. Cha bu choir baisteadh a bhi air a dheanamh anns an dachaidh, ach an uair nach 'eil e freagarrach a dheanamh anns an eaglais. Aig a' chuid a's lugha, tha 'n t-ordugh a' ciall- achadh gu bheil na leanaban air an toirt a steach do chomunn nan Criosduidhean anns an eaglais fhaicsinnich, 's tha coir sin a dheanamh gu follaiseach an lathair a' choimhthionail. Cha 'n e mhain gu bheil dleasdanas aig na parantan a thaobh an cloinne, ach tha dleasdanas mar an ceudna aig Comunn nan Criosduidhean a thaobh gach leanaibh a tha iad a' gabhail a steach nam measg. An uair a tha 'm baisteadh air a dhean- amh 's an eaglais tha e furasda so a chur 'nan cuimhne. Tha na Cleirean a' faotainn cunntais a h-uile bliadhna air an aireamh chloinne chaidh a bhaisteadh 's an eaglais, 's an aireamh a chaidh a bhaisteadh 's an dachaidh, 's tha 'n aireamh a bhaisteadh 's an eaglais fada fada ni 's lugha na bu choir. Tha sinn an duil gu faodadh luchd dreuchd na h-eaglais so a cheartachadh ann an tomhas. Tha daoine reusanta, 's gabhaidh iad comhairle, 's cha 'n 'eil e idir duilich toirt orra toiseachadh air a' chleachdadh so. Cha robh guth mor no droch fhacal uime, 's bha 'n sluagh cho toileach ris an t-seisein. Cha ruigear leas riaghailtean cruaidh a dheanamh mu 'n chuis, ach bu choir sacramaid a' Bhaistidh a bhi air a frithealadh an lathair a choimhthional, 'nuair a ghabhas e idir deanamh.

I

4

I

Air.

1908.

AONADH RI CRIOSD.

Fanaihh annamsa, agus mise annaibh-se. EoiN XV. 4. Ged tha an Sgiiobtur uile tarbhach chum teagaisg 's chum oilein ann am fireantachd, tha cuid de 'n Leabhar Naomh a's fhearr leinn na cheile. Fhuair na caibidealan so de shoisgeul Eoin, xiii.-xvii, aite ann an cridhe na h-Eaglais nach d' fhuair Utreachas eile chaidh riamh a sgriohhadh. Cha 'n ioghnadh ged fhuair. Bha iad air an labhaiit leis-san a labhair mar nach do labhair neach rianih, agus aig an aon am a bu sholuimte 'na bheatha. Ged a bha Ian fhios aig Criosd nach b' fhada 'n nine gus am biodh E air a thoirt thairis do lamhan a naimhdean, bha chridh' air a lionadh le sith Dhe, 's chuir E seachad na huairean deireannach ann a bhi misneachadh a chairdean le briathran cho ciuin, cho domhain, 's cho brioghmhor 's gu bheil iad 'nan aran beatha do 'n t-saoghal gus an latha diugh. Ged nach deanadh an t-Abstol Eoin seirbhis eile do 'n Eaglais ach na briathran so a ghleidheadh air chuimhne, bhiodh i 'na chomain gu brath. Thaisg e cornhradh deireannach a Mhaighstir 'na chridhe mar nach do rinn h-aon eile de na h-abstoil, 's an deigh do mhoran bhliadhnachan dol seachad, ghabh e do chuid Chriosd agus fo sheoladh an Spioraid Naoimh, nochd e dhuinne e. Am measg nithean eile a labhair Criosd aig an am ud tha Eoin ag innseadh dhuinn gu 'n do leag E cudthrom sonruichte air an aonadh a tha eadar E fhein 's a shluagh an ceangal diuth a tha eadar an Eaglais air thalamh is Ceann na h Eaglais air neamh. Fanaibh annamsa agus mise aunaihh-se. Is inise an fhionain, sibhse na geugan. Mise annta san, agus ihusa annamsa, chum gu 'n deanar coimh- lionta iad ann an aon. Fhuair an smuain a th' anns na briathran so a leithid de ghreim air inntinn an Abstoil Eoin 's gu bheil e tigh'nn thairis oirre an drasd 's a rithist mar gu 'm biodh e faotainn solas agus togail cridhe anabarrach ann a bhi beachdachadh air an diomhaireachd mhor so mu Chriosd agus an Eaglais. Anns a' cheud litir a sgriobh e tha 'n smuain a' tachairt oirnnannsa h-uile caibideal An ti a choimhideas ' a,itheanta-san, tha e gabhail comhnuidh ann, agus Esan ann san : agus le so is aithne dhuinn gu bheil Esan a' Juireach annainn, o'n Spiorad a thug E dhuinn. Cha 'n 'eil Eoin leis fhein ann a bhi teagasg gu bheil aonadh cho dluth eadar Criosd 's a shluagh 's gu faodar a radh gu bheil Esan anntasan agus iadsan ann-san. Bha

Eoin agus Pol gle eu-coltach ri cheile ach air a' chuis so tha iad a' labhairt le aon ghuth, 's tha Pol a' toirt na fianuis cheudna mu 'n cheangal a tha eadar an Tighearn 's an Eaglais. Nach 'eil fhios agaibh, ars' esan ris na Corintianaich, gur si/ih ieampuU Dhe, 's gu bheil Spiorad Dhe 'na, chomhnuidh annaibh. Cha mhise, ars' esan ris na Galatianaich- a tha beo ach Criosd tha beo annani. Tha ar beatha folaichte ann an Criosd. Ged a bha Eoin is Pol fad o cheile 'nan gne 's 'nan oilein, tha iad a' cordadh mu 'n teagasg so a chionn gu'n d' ol iad as an an aon tobar, 's gu, robh iad air an soillseachadh leis an aon solus: an solus a thainig o'n airde. Cha 'n 'eil iad a' toirt fianuis air bith dhuinne ach mar fhuair iad fhein an toiseach o'n Tighearn.

I. Tha tri samhlaidhean air an cleachdadh 'sa Bhiobull a tha cur soluis air an aonadh a tha eadar Criosd is creidmhich. Is iad sin

.4?! fhionain agus na geugan An corp agus na buill. Ceangal a' Phosavlh.

Mar tha beath' is sugh an fhionain a' sior shruth gu reidh samhach a dh' ionnsuidh gach geug is gucag is duilleach, mar sin tha beath' is. cumhachii Chriosd ag oibreachadh gu reidh samhach anns na daoine th' air an aonadh ris le creidimh beo. Cha 'n fhaicear 's cha chluinnear am feur a' fas, 's cha tig rioghachd Dhe air chor gu mothaichear i. Mar tha moran bhall anns a' choip, cnamhan is feithean is uilt, agus iad uile 'g oibreachadh gu h-ordail 's air an gluasad leis an aon bheatha; mar sin tha 'n Eaglais air thalamh. Is e 'n Eaglais corp Chriosd, agus is Criosd an Ceann, o'm bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhluthachadh tre an ni sin a tha gach alt a' toirt uaith, a faghail fas cuirp, chum gu fas sin suas anns na h-uile nithibh chuige-san. Tha staid a' phosaidh, mar an ceudna, 'na samhladh air a cheangal chaomh- ail 's air an aonachd a tha eadar Criosd 's a shluagh. Bithidh an dithis 'nan aon fheoil. Cha d' thug duine air bith riamh fuath d'a fheoil fhein, ach altrumaidh agus eiridnidh e i, eadhoin mar a ta an Tighearn a' deanamh do 'n Eaglais. Mar tha fear is bean fo chumhachd graidh 'nan aon, mar sin tha Criosd is creidmhich.

Cha 'n 'eil anns na samhlaidhean so ach oidhirpean air cainnt a chur air firinn a tha dol OS cionn tuigs' an duine. Tha fiosrachadh an anma air an aonadh bheannaichte so 'na ni cho mor 's cho beairteach, 's nach gabh e cainnt

■a chur air. Cha ghabh e innseadh aim an aon fhacal. Cha 'n urrainnear innseadh ann an aon fhacal ciod an daimh a th'aig Criosd r'a shluagh. Tha E dhaibh 'na Bhuachaille ach tha E 'na sliolus mar an ceudna. Tha e 'na Righ, ach tha E 'na aroM na beatha, Tha E air fada uapa, gidheadh tha E maille riu. Tha E an taobh a muiffh dhiu, gidheadh tha E 'n taobh a stigh dhiu. Tha Esan annt-san, 's tha iadsan annsan. Ach ged tha e duilich cainnt a chur air fiosrach- adh an an ma, tha 'm fiosrachadh sin fior, 's dhearbh sluagh an Tighearn anns a h-uile hnn gu bheil. Fhuair iad a leithid de dhluths ri Criosd 's gu faodta radh gu robh iad a' fantuinn ann an Criosd agus Esan annta-san. An uair is aithne do dhuine 'na fhiosrachadh fhein an t-aonadh so ri Criosd, cridhe ri cridhe, spiorad ri spiorad, beatha ri beatha, tha bheatha mhair- eannach air a ghiulan anns an t-seadh anns a bheil an t-Abstol Eoin a' cleachdadh an fhacail sin. Le beatha mhaireannach tha Eoin a' ciall- achadh, fiosrachadh anma anns an am a tha latbair, 's cha 'n e, tiodhlac a tha feitheamh air creidmhich ann an neamh.

II. Tha Criosd a' teagasg gu bheil creidmhich a' fantainn annsan amhuil a ta Esan a' fantainn anns an Athair. Tha 'n daimh a tha eadar E fhein 's a shluagh 'na leth bhreac air an daimh a tha eadar am Mac 's an t- Athair. Gu de an daimh anns a' bheil pearsachan glormhor na Trianaid a' seasamh d'a cheile ? Is e sin cuspair air air nach h-urrainn duine labhairt ach le mor irioslachd. Ach gabhaidh beagan soluis faotainn. Thuirt Criosd fhein gu robh Esan 's an t-Athair 'nan aon a chionn gu 'ni b'e bhiadh 's a dheoch toil an Athar a dheanamh. Cha d' thainig mi, ars' p]san, a dheanamh mo thoil fhein ach toil an Ti a chuir uaith mi. Rinn e daonnan na nithean a b' aill le 'Alhair, 's aig crioch a thuruis air thalamh b' urrainn E radh Ghloraich mi t-ainm, chriochnaich mi an obair a thug thu dhomh ri dheanamh. Bha e umhail do Dhia, bha earbs' aig ann an Dia, bha co-fhaireachdainn aige ri ruintean Dhe, 's a chionn gu robh, bha aonachd bheannaichte eadar E fhein is Uia nach deachaidh riamh a bhristeadh. Bha iad da- rireadh a dh' aon inntinn 's a dh' aon chridhe. A chionn gu robh iad a' cordadh ann an seadh moralta, bha iad aonaichte ann an seadh spioradail. Tha cheart ni fior a thaobh Chriosd 's a shluaigh. Gus am bi an toil-san air a lubadh ri thoil-san, cha bhi fios- rachadh aca air an aonadh bheo so air a' bheil Eoin a' labhairt, 's a thug dha fhein sonas is aoibhneas cho mor. An uair a tha creidmhich a' cur an toil, 's am beachdan, 's an iarrtuisean fhein an aghaidh toil is facal Chriosd, tha 'n t-aonadh eatorra air a bhriseadh, Mur h-eil iad, ann an tomhas, coltach ris-san gu moralta.

cha 'n 'eil iad aonaichte ris gu spioradail. Mur dean iad a thoil-san, cha 'n 'e?l iad a' fantuinn ann. Ma chbimhideas sibh in' aitheanta, fanaidh sibh ann am ghradh ; mar a choimhid inise aitheanto m' athar, agus a tha mi fantuinn 'na ghradh. Ach ged tha e fior gur h-e iadsan a mhain a ni toil Chriosd a dh' fhanas ann, tlia e fior, mar an ceudna, gur h-e iadsan anns a' bheil Esan a' fantuinn a's urrainn a thoil a dheanamh. Is e Esan and a chuid a bheatha agus an toradh.

III. Ciamar a ruigeas sinn air an aonadh tharbhach so ? Anns an t-seathamh rann deug de 'n chaibideal, tha Eoin ag radh nach ann o'r taobh-ne tha e toiseachadh idir ach o thaobh Chriosd. Cha sibhse thagh inise, ach inise a thagh sibhse, agus dh' orduich mi sibh chum gii'n d' tugadh sibh a mach toradh Is e sin aon taobh de 'n fhirinn, ach tha taobh eile oirre. Ann a bhi 'g radh fanaibh annam-sa tha Criosd a' teagasg gu feum toil an duine gluasad cho maith ri thoilsan ma 'n gabh an t-aonadh so dheanamh. Tha e fior gur h-ann ann an cridhe Dhe a tha obair grais a' toiseachadh an toiseach, ach ann an gnothuch anma feumaidh an duine fhein comh-oibreachadh maille ri Dia. Ged is e a' ghradh 'sa chaomhalachd 's a thruacantachd fhein a tha toirt an t-Slanuighear'g ar n-ionnsuidh an toiseach, cha 'n fhan e maille ruinn mur gleachd sinn ris mar rinn lacob ris an aingeal 's mur h-abair sinn Cha leig mi as Ihu gus am beannaich Thai mi. Tha Esan a tigh'nn trie a dh' ionnsuidh an doruis ach tha sinn 'ga leigeil air falbh a chionn gu bheil aoidhean eile stigh nach bu mhaith leinn gu faiceadh E. Cha 'n 'eil an t-aon a's fhearr againn a' fantuinn annsan ach nine ghoirid ; cha 'n aithne dhuinn am fiosrachadh air a' bheil Eoin a' labhairt ach an drasd 'sa rithist. Cha 'n ann aig Criosd a tha choire ach againn fhein. Dhaibh-san a ghradhaicheas E agus a choimhideas aitheantan tha gealladh Dhe seasmhach Gradhaichidh m' Athair e, agus thig sinn 'ga ionnsuidh agus ni sinn ar comh- nuidh maille I'is.

Cha'n e mo mhiann thu thriall air falbh gun dail Mar neach air chuairt, ach thu bhi gabhail taimh Am chuideachd fhein a Dhe, le cairdeas dluth, A chaoidh nan cian nach treig, fan maille rium.'

NA SEANN LAITHEAN.

Tha e 'na fhasan aig nioran dhaoine anns an latha diugh a bhi 'g radh nach 'eil cor an t-sluaigh idir cho mhaith 'sa bha e an uair a bha iadsan 6g. Tha sinn an duil na rachamaid air ar n-ais a dh' ionnsuidh an ama anns ad robh iad 6g,

4

I'

23

gu'ti cluinneamaid a' cheart ghlaodh. Theireadh na seanairean ruinn gu'n d' atharraich an t-sid seach mar bhi i, gu robh ghaoth n-ear ni b' fhuaire na bha i an uair a bha iad 'nam balaich, 's nach robh uiread cinneis air an talamh no uiread cairdeis am measg an t-sluaigh. Bha h-uile duine 'na cheatharnach an uair a bha iad bg, bha samhradh ni b' fhaide na tha e'n diugh, bha 'm barr ni b' I'hearr 's cha robh dith no deireas air duine beo. Ach 'nuair a sheallas sinn air cor na duthcha anns na laithean a dh' fhalbh chi sinn gu soilleir gu bheil cuisean an diugh fada, fada ni 's fhearr na bha iad ri hnn ar seanar. Thainig atharrachadh mor air a' Ghaidhealtachd 's air cor an t-sluaigh o chionn ceud bliadhna 's cha 'n ann idir airson a chuid a's miosa. Tha na daoiue ni 's fallaine 's ni 's fad shaoghalaiche na bha iad, tha gloine is doighealaclid anns na tighean mar nach robh annta, 's tha 'n tuath ni 's biadhte 's ni 's comh- daichte na blia iad. Dh' fhaodadh duine 'n diugh dol troimh sgireachd an deigh sgireachd 's a;un teaghlach a thachairt air anns a bheil acras no cion, acli anns na laithean a dh' fhalbh bha leiihid de ghainne 's de bhochdainn am measg an t sluaigh 's nach bu ruith ach leum le fir laidir obair latha dheanamh airson am bidh. Ann am bliadhna nam brisgtinean bhiodh fir- thighe a' leantail a' chroinn ag iarraidh narn brisgeinean airson an itheadh leis an acras a bh' orra. Bha 'n sluagh lionmhor, bha 'n talamh air a dhroch oibreachadh, bha cosnadh gann 's gad a bha duine a sid 's a so air a dheagh dhoigh, bha mhor chuid de 'n t-sluagh ann an staid biiochd. Chuireadh na cailleachan a th' air bord nam bochd an diugh car 'nan sroin nan tairgte dhailih am biadh leis an robh croitearan an la ud toilichte. Clia b' fhearr na tighean no 'm biadh. Clia robh annta ach bothagan beaga salach, air bheagan soluis 's air mhoran toite, an crodh anns an dara ceann dhiu 's na cearcan a' cadal air na sparran. Cha 'n 'eil ioghnadh ged a bha breac is fiabjirus a' tannachadh na duthcha an drasd 's a rithist. Cha ghiulaineadh mon- aidhean na Gai.lhealtachd an aireamh dhaoin' a bh' air an uaclidar, 's thoisich an sluagh- air bruchdadh a null a dh' America. Bha'n sluagh aineolacii seach mar tha iad an diugh. Cha robh e furasda, dhaibh a bhi air atharrachadh, oir cha robh .'^goilean no maighstirean sgoileaca. Anns a' bhliadhna 1826 bha da mhile gu leth duine ann an sgireachd lonarnis nach b' urrainn leughadh no sgriobhadh, agus corr is leth cheud mile duine anns a' Ghaidhealtachd uile gun facal sgoil 'nan ceann. Ach is mor an t-atharrachadh a thainig air an dutliaich o'n latha sin. Ged nach 'eil an sluagh cho lionmhor tha iad i ni 's fhearr air an doigh. Tha nacroitean ni 's motha 's tha e comasach do dhaoin' am beothlainn fhaotaihn orra. Thug Achd nan Croitearan

coir air an fhearann do'n tuath, 's nuair a fhuair iad sin bha misneach aca tighean a b' fhearr a chur suas agus an tuilleadh innleachd is dichill a chleachdadh ann an oibreachadh a' ghruinnd. Tha 'n duthaich air a fosgladh suas le rathaidean mora, le bataichean smuid, 's le carbadan iaruinn air chor 's gu bheil e comasach do na Gaidheal malairt a dheanamh ris na bailtean mora. Cha 'n 'eil moran cosnaidh anns a' Ghaidhealtachd do'n oigridh a tha 'g eiridh suas, ach tha sgoilean maith aca 's ma 'n tig iad gu ire duine tha iad comasach leis an ionnsachadh a tha iad a' faotainn air iad fhein a thoirt as am measg dhaoin' eile na rioghachd. Tha iad a' deanamh sin, 's tha chuid a dh' fhalbhas o'n bhaile 's a' chuid a dh' fhanas aig an tigh moran ni 's comhfhurtachaile 'nan crannchuir na bha na daoin o'n d' thainig iad. Tha Ghaidhealtachd a tigh'nn air a h-aghaidh, 's cha 'n ann a' dol air a h-ais. Tha suilean an t-sluaigh ni 's fosgailte, tha 'n dachaidhean ni 's gloine, tha 'n Ion ni 's cinntiche, 's tha 'n slainte ni 's fhearr. Ged tha bochdainn fhathast ann an iomadh cearn, cha 'n 'eil an t-acras goirt ann a b' abhaist an cridhe thoirt a daoine. Ged a bhios na bodaich ag radh gu 'm b' fhearr an de no 'n diugh, cha .chreid sinn diog dheth.

A' GHAIDHLIG.

Tha sinn an dull nach bi e as an rathad cunntas a dheanamh anns an duilleig so air an aireamh dliaoin' a tha bruidhinn na Gaidhlig ann an Albainn. Tha iad ag radh ruinn gu bheil barrachd dhaoine 'ga bruidhinn ann an America na tha 'ga bruidhinn anns an duthaich so. Faodaidh sin a bhi, ach a chionh nach 'eil fhios againn air an dearbh aireamh a bhruidhneas i ann an America cha 'n abair sinn an corr rou'n chuis. Tha 640,000 ann an Eirinn a bhruidh- neas i, agus 4,500 anns an Eilein Mhanaineach. Cha 'n 'eil e furasda do chinas Gaidheal dad a dheanamh do chainnt nam Manaineach, ach cha'n^eil a' Ghaidhlig Eirionnach idir eu-coltach ri cainnt na duthcha so. Bha fear siftbhail aig an dorus an la roimhe, agus gsd nach deanadli an corr de 'n teaghlach a bheag d'a sheanchas, chaidh sinn fhein 'na chomhradh agus air ar-n athais thuigeamaid e maith gu leor, Bha e o thaobh an iar Eirinn.

An uair mu dheireadh a chaidh an sluagh aireamh ann an 1901 bha 230,800 aig an robh Gaidhlig; Faodaidh nach 'eil fhior uiread an diugh ann, ach cha ghabh an t'-aitharrachadh a bhi mor. Los fhaicinii ciaihar' tllacuisean anns na h-eileinean faodaidh sinn an' rud a chur mar so :- - .

24

Caidhligr is Gun diogr ach

■: AITE. Beurla. Caidhlig-.

Leodhas;. '- -^^ - - - 15,990 , 9'928

Na h-Eaiirad'h,-'''- - - 2,662 2,217

An t-Eile'an Sgiatlianach 9,837 2,858

UidhiSt niu 'I'huatli, - 1,975 1,619

Uidhist niu Dheas, - - 2,573 2,500

Barraidh, - -- - - 1,165 1,136

Muile, - ' -, , - - 3.060 428

Tiriodh, - - - - 1,156 894

Colla, ----- 288 57

Colasa, - - - - 241 44

Diura, - - - - - - 460 60

He, - - - - - - - 5-136 644

Arainn, -,---- 1,903 9

Chithear uaith so gur h-e muinntir Bharraidh is Uibhist 's na b-Earradh daoin' aig a lugha bheil a Bheurla, 's nach 'eil cion teangaidh air na Muilich 's na h-Ilich anns an da chainnt.

Ma ghabhas sinn na siorramachdan Gaidh- ealach tha 'n aireamh mar so:

Caidhlig is Gun diogr ach

, AITE Beurla. Caidhlig.

Earraghaidheal, - 34.428 3,313

lonarnis, - - - 43,281 11,722

Ros, - . - - 39,292 12,171

Cataibh, - - - 14,083 469

Peairt, - - - - 11,446 78

Chitear uaith so gur suarach an aireamh dhaoin' air tir mor aig nach 'eil Beurla, 's -gu bheil Earraghaidheal ni 's toisiche anns an rat had sin no Ros is lonarnis. Ach cha 'n 'eil e furasd a radh gu de cho fad 'sa dh' fhaodas sinn daoine ghabhail gu litireil an uair a chuireas iad sios an ainmean akson, Gaid/i/ig is Beurla, no airson gun diogach Gaidhlig. B'aithne dhuinn cailleach choir a bha fuireach leatha fhein ann an tigh ri taobh an rathaid. Bhiodh luchd siubhail a' taghall an tighe gus iad fhein a gharadh no phiob a lasadh, agus is iomadh truaghan a bhiodh a' gabhail an rathaid air dhroch caramh, air an do rinn i fuasgladh. Thachair i oirnn latha agus b'e cheud fhacal a thuirti O Mhuire 's a Righ, is ann ormsa thainig a' bheisd an raoir, theap nach fhaighinn air falbh e. Co thainig oirbh ? Ma ta cha 'n 'eil fhios agam ach bha coltas Eirionnaich air ; cha robh seorsa bho na sparran nach d' iarr e, ach mar sheall an t-agh ormsa, tha beagan agam fhathast de 'n Bheurl a dh' ionn- saich mi air Loudie 'nuair a bhithinn a' dol gu foghar, 's cha luaithe chuir mi ris smaladh dhi na thug e chasan as. Gu de thuirt sibh ris, arsa sinne. Ma ta, thubhairt Away, a' dhearg choin, 's mur bhi a' Bheurla dh' fhaodadh e mo mhort. Is d6cha gu bheil feadhainn ag radh anns na paipearan-airearah gu bheil Gaidhlig is Beurl' aca, aig nach 'eil de Bheurla na bheireadh a cuideachd iad, ach tha sinn a'creidsinn gu bheil gu leoif aig a bheil deagh phrapadh Beurla nach

leig sin orra, 'sa tha 'g an cur fhein sios mar dhaoin' aig nach 'eil diog ach Gaidhlig.: Cha toigh leis an fhiorGhaidheal a Bheurl' aide^chadh, mur 'eil i aige neo-ar-thaing. .,

'. Tha moran Gaidhlig anns na bailtean mora.

Caidhligr is Beurla.

Gun diog acit' Caidhligr.

BAILE.

Duneideann, - - - 4,536 68

Glaschu, - - - - 23,191 85

Grianaig, - - - - 2,494 24

Chitear uaith so gu bheil uiread dhaoin' a bhruidhneas Gaidhlig anns na tri bailtean so, 'sa th' ann an Leodhas, 's an Eilein Sgiathanach 's ann am Muile ged a bhiodh iad air an cur comhla. Ach ged tha Gaidheil a' bhaile mhoir gaolach gu leoir air dol far am bi Ghaidhlig air oidhche seachdainn, cha 'n urrainn sinn a radh gu bheil iad cho gaolach air a heisdeachd air an t-sabaid. Co dhiu, 'se sin a thatar ag radh ruinn.

MUINGHINN ANN AN DIA.

O anaim bhochd, 'tha saruicht,'

Gabh greim air Dia gu teann : Do dhebir tha air an aireamh ;

Dia togaidh suas do cheann : Troimh dhoinnion doirbh, is anradh

Bheir Esan thu gu slkn ; Bheir tonnan 's gaoith' thu sabhailt,

Gu soillse geal an la.

Suas thu ! Le muinghinn Ikidir

Leig dhiot an iomaguin throm ; An campar-inntinn liailleil

A dh' fhag thu ledinte, crom : Ged nach 'eil thusa' riaghladh

Gach cuis 's an domhan mhbr ; Aig ceann na rioghachd tha'n Tighearna,:

Ni Esan mar is coir.

An riaghladh fag 'n a Laimh-san,

Liuthair do chor d' a iiil ; Bheir e gu aite-taimh thu,

Is bheir thu Dha-san cliu ; Aidichidh tu le ioghnadh

Gu bheil a dhoigh-san ceart ; 'S gur beannaichte na daoine

D 'an dbchas Dia nam feart.

O Thighearn, air ar leanntachd

Cuir Thusa ceann is crioch \ Ar lamhan neartaich, 's fann iad ;

D' ar gluinean lag thoir clith : Cum sinn fo 'd curam dileas

An cian a bhios sinn beb, 'S air slighe glan na firinn,

.Stiuir sinn gu rioghachd na glbir.

Eadar le K.AV.G. 0 Phol Gerard^

Air. 7.

1908.

BAS CHRIOSD.

Ta Dia a' fnoladh a ghraidh fein duimie, do bhrigk an uair a bha st?in fat hast 'nar peacakh gu'n d' fhuiling Criosd bas air ar son. Romh. V, 8

Anns na rannan so tha Pol a' cur an cuimhne nan Romanach gu bheil e moran ni's coltaiche gu nochdadh Dia dhaibh caoimhneas air dhaibh a bhi reidh ris, seach gu'n d' fhiosraich E iad gu grasmhor an uair a bha iad fhathast 'nan coigrich agus 'nan naimhdean dha. Tha e 'cur 'nan cuimhne nach ruig iad a leas a bhi 'cur teagamh ann an gradh Dhe, oir dhearbh Dia a ghradh fhein dhaibh ann an doigh nach gabh aicheadh. A7in an am lomchuidh bhasaich Criosd airso?i na?i daoine neo-dhiadhaidh. Cha b' urrainn gradh dol ni b' fhaide. O'n latha anns an d' thug Criosd E fhein suas mar iobairt air a' chrann cheusaidh tha e so-thuigseach do'n t-saoghal gur gradh Dia. Tha acair aig anmaibh dhaoin' a tha daingean is cinnteach.

I. Air reir teagasg Phoil, is e bas Chriosd an dearbhadh as laidire air gradh Dhe. Nan abradh duine ri Pol gu bheil iomadh comharadh eile anns an t-saoghal air gradh an Athar, cha chuireadh Pol 'na aghaidh, ach theireadh e gur h-e bas Chriosd an comharadh sonruichte a bha toirt misneach is dochas is aoibhneas d'a chridhe fhein. Their cuid a dhaoine ruinn gu ruigeadh an saoghal air an fhirinn gur gradh Dia, ged nach rachadh am Biobull riamh a sgriobhadh. Their cuid eile ruinn nach 'eil an dearbhadh a's lugha air an fhirinn sin an taobh a mach de'n Bhiobull. Co dhiu a tha ceart ? Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil iomadh ni ann an obair a' chruthachaidh a tha toirt misnich dhuinn an creidimh altrum gur gradh Dia, ach tha iomadh ni ann mar an ceudna a tha toirt bhuainn ar dochais. Tha obair a' chruthachaidh a' labhairt le da ghuth. Tha aon ghuth ag radh Is gradh Dia. Ach tha guth eile 'g radh An dara acid, cha 'ti "eil maitheas Dhe ionilan, air neo tha tomhas air a chumhachd. Tha 'n fhianuis cheudna 'tigh'nn o bheatha 'n duine. Tha e furasda gu leor dhaibhsan aig a bheil crannchuir shocruch is dachaidhean blatha, nach d' fhuiling riamh pian no acras no briste cridhe, creidsinn le'n uile chridhe gur gradh Dia. Ach cha 'n 'eil e idir cho furasda do thruaghain 's do dhiol- achan-deirce an t-saoghail an creidimh ceudna altrum daoine a tha blasad beagan milse is moran searbhadais 'nan cuairt air thalamh. An

aite co-fhaireachduinn a bhi aig Nadur ri cor dhaoine, tha 'n cruthachadh a' gluasad air aghaidh caoin shuarach co dhiu a tha 'n cridh- eachan ait no briste. Dearrsaidh a' ghrian cho aoibhneach air tigh a' bhroin 'sa ni i air an dachaidh anns a bheil gean. An uair a shoc- raicheas sinn ar-n inntinnean air smaointean de'n t-seorsa sin, cha 'n urrainn sinn ar-n aonta chur ris na daoine their gu ruigeadh an saoghal air gradh Dhe, ged nach robh am Biobull riamh air a sgriobhadh, 's ged nach robh Criosd air fhoillseachadh anns an fheoil. Ann an obair a' chruthachaidh tha guithean a' labhairt air gradh Dhe, ach cha 'n 'eil na guithean sin ach fann ; tha beagan soluis ri fhaicinn, ach cha 'n 'eil an solus ach beag. Ach ann am bas Chriosd tha sinn a' cluinntinn guth mar thoirm mhoran uisgeachan 's tha 'n solus ag eiridh gu airde raheadhoin-la. As eugmhais bas Chriosd tha 'n fhianuis a leughas sinn ann an oibrichean Dhe neochinnteach, ach an uair a sheallas sinn air a' chruthachadh ann an solus na firinn so, tha na neamhan agus an talamh a' toirt dhuinn na sgeoil gur gradh Dia. Is e bas a mhic an iuchair a dh' fhosglas saoibhrea.s gradh Dhe air feadh an domhain. An ti nach do chaomhain a t?ihac, cionnus maille ris-san nach toir e dhuinn na h-uile ?iithea?i. Cha 'n e mhain gur gradh Dia, ach ghradhaich e peacaich 's thug e mhac mar eiric air an son. An uair a gheibh an smaoin sin greim air cridhe duine, cha chuir e teagamh ni's fhaide ann an gradh caomhal an Athar.

II. Ciamar a tha bas Chriosd 'na dhear- bhadh air gradh Dhe ; ciamar a tha bas aon neach 'na dhearbhadh air gradh neach eile?' Faodar a radh mu na martaraich t;u'n do leag iad sios am beatha air son firinn is ceartais mar rinn Criosd, ach is e rud eile radh gu bheil bas nam martarach a' dearbhadh gradh Dhe dhuiane.. Tha e dearbhadh gradh nan daoine sin do'n fhirinn 's an dilseachd do Dhia, ach sin uil' e. Nam biodh duine an iomairt a bhi air a bhath- , adh 's gu'n cuireadh caraid a bheatha fhein ana an cunnart 'ga shabhaladh, bhiodh sin 'na cho- mharadh cinnteach air gradh a charaid, ach cha bhiodh e 'na dhearbhadh sam bith air gradh Dhe. Nan d' thuirt Pol Tha Criosd a' moiadh a ghraidh feifi duintie, do bhrigh an uair a bha sinn fathast 'nar peacaich gu?i d' fhuiling E bas air ar son, bhiodh sin furasda gu leor a thuig- sinn, ach ciamar a tha bas Chriosd 'na dhearbh- adh air gradh Dhe? Cha ghabh a' cheist

26

fuasgladh ach anns an doigh anns an d' fhuas- gail P61 's na h-Abstoil eil' i. Bha Pol a' smaointinn air Criosd mar am Facal Siorruidh a bha maille ris an Athair ma 'n do leagadh bun- aitean na talmhainn, ach a bha air fhoillseachadh anns an fheoil anns na laithean deireannach a measg a bhraithrean. Bha e smaointinn air Criosd mar neach a bha 'na leithid de dhaimh dhluth ri Dia 's gu faodte radh gu robh e fhein 's an t-Athair 'nan aon. A chionn gu robh an t-aonadh so eatorra, theireadh Pol nach do rinn am Mac ni sam bith leis fhein, ach gu'n do rinn an t-Athair maille ris e. Am facal a labhair Criosd air thalamh, tha 'n t-Athair a labhairt gu siorruidh ; an ni a rinn Criosd air thalamh, tha'n t-Athair a' deanamh gu siorruidh, oir b'e beatha Chriosd dealbh Dhe, agus b'e briathran agus gniomharan Chriosd earlais air doirahneachd a' ghraidh a th'ann an cridhe Dhe. Annsan bha lanachd na Diadhachd a' comhnuidh air chor gu faodar a radh mar tha Pol ag radh uair is uair eile, gur h-e 'n Diadhachd fhein a dh' fhuiling pian is bron ann an iobairt Chalbhari. Cha do leag Dia uallach peacaidhean a' chinne daona air guaillean coigrich, ach dK fhuiling E fhein, 'sa chionn gu'n d' fhuiling tha has Chriosd 'na dhearbhadh air gradh an Athar.

III. Ciamar a tha bas Chriosd a! foillseachadh gradh Dhe 1 Nach faodadh Dia a ghradh a dhearbhadh ged nach fuilingeadh Criosd bas ! A bheil ceangal air bith eadar an da ni ? Ann a bhi freagairt na ceiste, thig sinn air ar n-ais a dh' ionnsuidh na smuain a bh' ann an inntinn Phoil, smuain a thachras oirnn air gach duilleig de 'n Tiomnadh Nuadh, gu bheil ceangal son- ruichte eadar bas Chriosd is maitheanas peacaidh. Thug mi dhuibh air tus, arsa Pol, an ni a fhuair mi mar an ceudna, gu 'n d' fhuair Criosd has airson ar peacanna a reir nan sgriobtur. Ann am beachd Ph6il bha bas Chriosd a' seasamh air leth o bhas nam martarach, 's a' giulan bheannachdan 'na lorg nach faigheadh an saoghal air dhoigh eile. Thug an Slanuighear E fhein an fhianuis cheudna. Aig an aon am a bu sholuimte 'na bheatha thuirt e ris na deisciobuil gu robh fhuilsan air a dortadh airson maitheanas peacaidh, agus air eagal gu 'n dichuimhnicheadh lad am facal, chuir E air a chois ordugh a bhiodh 'na shamhladh air an fhirinn so gu deireadh an t-saoghail. Ged nach h-urrainn sinn a thuigsinn ciamar nach tigeadh maitheanas peacaidh as eugmhais dortadh fala feumaidh sinn gabhail gu h-iriosal ris na tha 'n Sgriobtur ag radh air a' chuis. Gus an do shineadh Esan air a' chrann, cha b' urrainn e radh Tha 'n obair criochnaichte. B' e latha Chalbhari latha na saorsa, 's air a chrann cheus- aidh choisinn Criosd buaidh shiorruidh air chor 's gu bheil naoimh gun aireamh a' seinn le

moladh Dhasan a ghradhaich sinn 's a nigh sinn 0 ar peacaidhean 'na fhuil fhein V a riftn righrean is sagairteati dhinn do Dhia ar n- Athair, dhasan gu robh gloir is moladh is urram gu saoghal nan saoghal.

AN SEANADH.

Choinnich Ard Chuirt na h-Eaglais am bliadhna mar a b' abhaist, 's ged nach robh bheag de cheistean cudthromach air beulaobh an tSean- aidh, bha an cruinneachadh anabarrach gasda. Cha chuimhne leinn gu faca sinn riamh coinn- eamhan a bu chiataiche, 's o thoiseach gu deireadh cha chualas guth mor no droch fhacal.

Bhatar ag ionndrainn chairdean a thugadh air falbh o 'n am so 'n uiridh, 's am measg na feadhnach air an do rinn an Seanadh iomradh le taingealachd airson am beatha 's an seirbhis, bha an t-Ollamh Charteris, An t-Oliamh BJarach is Sir Seumas Caimbeul.

Bha h-uile duine toihchte larla Chinnaird fhaicinn air ais mar Theachdair an Righ, 's rinn e na dleasdanasan a bha 'n ceangal r'a dhreuchd gu h-uasal agus gu h-eireachdail. Tha e fhein 'na dhuine diadhaidh, 's thug e seachad a' chuid mhor d'a bheatha gu bhi cuideachadh aobhar an t-soisgeil. Cha 'n ann a h-uile latha bhios an t-ait' ard so anns an t-seanadh air a lionadh le duin' a tha cho eudmhor ris ann an nithean spioradail 's ann an obair na h-eaglais.

Tha cuisean a' soirbheachadh leis an Eaglais aig an tigh agus ann an duthchannan cein. Tha sith an taobh a stigh d'a ballachan agus suaimh- neas 'na luchairtibh. Tha Dia ag aideachadh a h-obair anns an tir, 's a' dortadh a bheannachd an lorg a saothrach. Cha bu choir so a bhi na aobhar boilich dhi, agus idir cha bu choir e bhi 'na lethsgeul do bhuill na h-eaglais stad anns an t-slighe no fas meagh bhlath 's an obair ris an do chuir iad an lamh. Ann am maitheas Dhe do'n Eaglais, tha gairm iir a tigh'nn 'gar ionnsuidh, ag iarraidh oirnn an tuilleadh dichill a dheanamh ann an obair an Tighearna. Bidh soirbheachadh aig an Eaglais anns an tomhas 's a bheil i soisgeulach agus anns an tomhas 's a bheil a buill air an riaghladh le inntinn Chriosd 's air an lionadh le 'spiorad.

Bha latha mor aig an t-Seanadh an uair a thainig Aonadh nan Eaglaisean Cleireach air am beulaobh. Bha fios roimh laimh gu robh Eaglais na h-Alba deas gu coinneachadh ri each feuch gu de a ghabhadh deanamh, ach cha b fheairrd aobhar an Aonaidh gu'n do chuir an eaglais eile an deasbod bhliadhnail a bhios aice air Di-steidheachadh latha no dha ni bu traithe, gus cothrom fhaotainn a' cheud urchair a los-

27

gadh. Ged a chuir so gle nadurra farran air an t-Seanadh, rinn iad an rud a bu ghlice 's a bu Chriosdaile ; cha do fhreagair iad le feirg ach chuir iad litir a dh' ionnsuidh chaicli ag iarraidh orra coinneachadh riu feuch am faighte rathad sam bith air na h-eaglaisean a thathadh ri cheile seach iad a bhi 'nan naire do'n dutliaich mar tha iad. Chuir an Eaglais Shaor Aonaichte fios air ais gu robh ise toileach del gu leithid sin de choinneamh. Cha ghabh an gnothuch dol ni's fhaid' air aghaidh am bliadhna ach is obair latha toiseachadh. Bu mhor a' bheann- achd do dh' Albainn 'nan tigeadh na h-eaglaisean gu bhi 'nan aon. Ach tha 'n latha a tighinn ; 's cha bu choir do mhuinntir na h-Eaglais Steidhichte facal a radh no rud a dheanamh a chumadh an latha sin air ais. Bhiodh e gu buannachd do'n duthaich 's do rioghachd Dhe.

Cha do rinneadh dad am bliadhna fhathast gu ceangal ur fhaotainn eadar an Eaglais is Leabhar Aidmheil a' Chreidimh. Ach cha 'n 'eil fath cabhaig ann, 's cha 'n 'eil dad ri chall le gluasad gu h-aithiseach.

SIOR LATHAIREACHD DHE.

Agus dh' fhan aire an Tighearn ann an tigh

Ohed-Edoim a' Ghitich tri miosan ; agus hheann-

aich an Tighearn Obed-Edoni agus a thigh uile.

2 Sam. 6, II.

Am fardoch Obed Edoim

Fhuair aire an Tighearn tamh, Am feadh, air uchd nan sleibhte,

A chuireadh iomadh blar. 'S na glinn bha bruaillean, 's diridh,

Bha ar-a-mach 's a mhagh ; Air fardoch Obed Edoim

Bha siochaint neamhaidh 'tamh.

Le gorta anns na criochan,

Le comhstri anns a' champ ; A chlann bheag fann le ciocras ;

Is aran cha robh ann ; Na mathraichean 'g an leireadh,

Ag athchuinge le de6ir : An teaghlach Obed Edoim

Bha sith is 16n gu lebir.

Air machair Obed Edoim

Namh cha do leag a shall;, Mar dhidein teann nan treun-fhear

Sheas ciiiin a bhaideal ard ; Ciia d' thainig cas no diginn,

Ach fios na slaint' 's a ghrais Gu c6mhnaidh Obed Edoim

'S an d' fhuaradh ait' do 'n aire.

Is dh' aithriseadh an sgeul ud

Leo-san a bha mu 'n cuairt Tha teaghlach Obed Edoim

A mealltainn suaimhneas buan ; Tha beannachadh lehbbhah

'G an c6mhdach, beag is m6r; A chionn 'n an ^ite-comhnaidh

Tha airce Dhd na glbir.

Tha gineal Obed Edoim

Ri fhaotainn anns gach linn ; Fo fhardoch Obed Edoim

Tha fasgadh anns gach teinn ; Tha beannachdan a' Chiimhnaint

A ghnath le airce Dhe Do 'n duine leis an rim e

Seach maoin an t-saoghail gu \€\r.

Buaireas cha ruig an sluagh sin

'Bha leis an aire fo dhion ; Amhghar cha mhill an suaimhneas,

Tuaileas cha bhris an sith ; Tha rath, is muirn, is solas,

Tha soills' a dh' oidhche 's la 'S an teaghlach sin, an cbmhnuidh

'S am bheil an aire a' tamh.

Air cad. le K. W. G.

BAISTEADH.

Tha Baisteadh ni's sinne na'n Creidimh Criosd- uidh, 's bha seorsa dheth air a chleaehdadh ann an iomadh duthaich roimh laithean Eoin. Ach is e ann baisteadh a rinn Eoin air an t-sluagh aig abhainn lordain a' cheud iomradh a th' againn air an ordugh anns an Tiomnadh Nuadh. Ann an lagh Mhaois bha e air iarraidh air an t-sluagh iad fhein a ghlanadh le uisge o sheorsachan sonruichte de neo-ghloine, 's cha 'n 'eil teagamh nach robh an riaghailt sin ann an inntinn Eoin an uair a ghairm e an sluagh gu bhi air am baisteadh ann an abhainn lordain. Ach bha deifir mor, aig a' cheart am, eadar baisteadh Eoin agus an glanadh a bh' air orduchadh le lagh Mhaois. Dh' fhaodadh duin' e fhein a ghlanadh, ach anns an ordugh ur a chuir Eoin air a chois, b' e lamh fhein a bha baisteadh chaieh. Bha baisteadh Eoin mar an eeudna air a thoirt dhaibhsan a mhain a bh' air an dusgadh gu aithreachas. Bha seann bhaisteadh lagh Mhaois a' deanamh an duine glan o'n taobh a muigh, ach bha baisteadh iir Eoin a' deanamh an duine glan 'san taobh a stigh ; bha e 'ga chur ann an daimh ur do rioghachd Dhe, 's bha e 'na shamh- ladh 's na sheul' air ath-nuadhachadh spioraid. Ach bha baisteadh Eoin ag ullachadh na slighe do bhaisteadh a b' fhearr. Bha fhios aig Eoin fhein air a so gle mhaith, oir thubhairt e :

28

Tha mise 'gur baisteadh le h-uisge chum aith- reachais : ach an ti a thig a'711 dheigh, baistidh esan sibh lets an Spiorad Naomh, Ma ta j, ii. Bha cuid de na bh' air am baisteadh le Eoin air am baisteadh a rithist leis na h-abstoil an deigh do'n spiorad naomh a bhi air a thoirt do'n eaglais. Thachair deisciobuil araidh air Pol ann an Ephesus air an do chuir e a' cheist an d' fhuair sibh an Spiorad Naomh o chreid sibh ? Thuirt iadsan nach cual iad gu robh Spiorad Naomh ann. Dh' fheoraich Pol dhiu an robh iad air am baisteadh, 's thuirt iad gu robh iad air am baisteadh le baisteadh Eoin. Is coltach nach robh Pol am beachd gu'm bu leor sin oir bhaisteadh iad as tir ann an ainm an Tighearn losa, agus air do Phol a lamhan a chnr orra, thainig an Spiorad Naomh orra. Ged a tha iomradh anns an Tiomnadh Nuadh Eoin 3, 22 ; 4, 1-2 gu robh deisciobuil Chriosd a' baisteadh an t-sluaigh am feadh 'sa bha E fhein fhathast 'nam measg, cha deach- aidh Sacramaid a' Bhaistidh a chur air a cois gus an d' eirich Criosd o na marbhaibh. Cha d' fhuair an t-ordugh so riamh a leithid a dh' aite ann am beatha na h-eaglais Chriosduidh mur b'e gu robh e air orduchadh le ceann na h-Eaglais. Uime sin imichibh-sa, agus deanaibh deisciobuil do gach uile chinneach, 'gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh Matt. 28, ig. An uair a bha gealladh an Spioraid air a choimhlionadh do na h-abstoil, 's a bha iad air an sgeadachadh le cumhachd o na h-ardaibh thoisich iad air umhlachd a thoirt do dh' aithn' an Tighearna, oir cho trath ris a' Chaingis an deigh na h-aiseiridh labhair Peadar ris an t-sluagh Deanaibh aithreachas, agus bith- ibh air bhur baisteadh gach aon agaibh ann an ainm losa Criosd, chum 7naitheanas peacaidh, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh. Tha e air reir inntinn Chriosd is teagasg an Tiomnaidh Nuaidh gu'm biodh iadsan uile th'air an gabbail a steach do rioghachd Dhe air am baist- eadh.

Bha Sacramaid a' Bhaistidh air a frithealadh leis na h-abstoil dhaibhsan a bha 'n da chuid aithreachail agus creidmheach. Ann an aite no dha de'n fhirinn tha 'n cudthrom air a leagadh air aithreachas, ach ann an aitean eile tha e air a leagadh air creidimh. Ach ann an doigh fharsuing tha 'n dara rud a gabhail a stigh an ruid eile. Cha duisg aithreachas ann an cridhe duine gus a bheil seorsa creidimh aig ann an Criosd, 's as eugmhais aithreachais tha creidimh ann am Fear-saoraidh eucomasach.

Anns an latha diugh cha 'n 'eil ach gle bheag de dhaoin' a thainig gu aois air am baisteadh, ann an coiraeas ris na tha 'n eaglais a' baisteadh de leanaban. Cha b' ann mar sinn a bha cuisean ann an laithean nan abstol. An uair a chaidh iadsan a mach le soisgeul na rioghachd, is ann

ri daoine thainig gu aois a bha iad a' labhairt daoin' a bhuineadh do chreidimh eile seach an creidimh Criosduidh agus bha e gle cheart dhaibh gun iad sin a bhaisteadh gus an aidich- eadh iad an creidimh anns an Tighearn losa. Ach feumaidh gu'n d' eirich ceistean mu bhaist- eadh naoidheanan gu maith trath. Feumaidh gu'n abradh an parantan a bh' air am baisteadh Ciamar a tha mo chlafin a seasamh a thaobh na rioghachd 2 Ged nach 'eil iomradh anns an Tiomnadh Nuadh air aon leanabh a chaidh a bhaisteadh, tha aobhar againn a bhi creidsinn gu'n do thoisich an cleachdadh gu maith trath, 's gu bheil e da rireadh air reir inntinn Spiorad na Firinn a thug Criosd do'n Eaglais gu bhi 'ga seoladh, gu'n gabhadh i a steach na leanaban do chomunn nan creidmheach. Thuirt an Slan- uighear fhein Fiiilingibh do na leanaban teachd 'am iomisuidh, 's na bacaibh iad. oir is a?in d' an leithidibh a ta rioghachd Dhe, agus bu choir do'n Eaglais a' cheart spiorad a nochdadh do 'n chloinn.

Tha 'n fhirinn a teagasg gu bheil beannachdan mora a' leantainn a' Bhaistidh dhaibhsan aig a bheil cridheachan aithreachail agus creidmheach. Tha 'm baisteadh 'na shamladh agus 'na sheula air beannachdan a' Chumhnanta Nuaidh ;

Ath-ghineamhain leis an Spiorad Naomh,

Glanadh o pheacadh,

Aite fhaotainn anns an Eaglais,

Aonadh ri Criosd,

Tiodhlac an Spiorad,

Dochas na Gloire.

Is e an duals a tha 'n duine trocaireach a' faotainn, gu bheil e fas ni's coltaiche ri Dia. Cha ruig e leas duals iarraidh, ach an duais a tha 'na chridhe. A chionn gu bheil e 'deanamh trocair an diugh, bidh e ni's usa dha trocair a dheanamh am maireach. Is e am peanas a thig air an duine chruaidh-chridheach, gu bheil e fas ni's eu-coltaiche ri Dia. Tha e 'call iomhaigh Dhe, 's gach latha d'a bheatha 'dol ni's fhaide stigh anns an dorchadas iomallach, gus mu dheireadh an ruig e aite fhein an t-aite far nach 'eil trocair. Tha ni ann is uamhasaiche na ceartas Dhe agus is e sin cruas is neo-chaomhalachd ar cridheachan fhein.

Tha suilean Dhe mar gu'm biodh mile coinn- eal. Is leir dhasan nithean diomhair a chridhe. Faodaidh sinn ruinntean ar cridhe fholach air daoine ach cha ghabh iad folach airsan. Tha shuilean anns gach aite fo'n ghrein. Is leir dha anns an dorchadas. Is ionann an dorchadas agus an solus dhasan. Cha ruig Esan a leas feitheamh ri latha bhreitheanais.

1

i

Air. 8.

1908.

DUINE SANNTACH.

Chaidh e macli 'na lobhar, geal mar shneachda. 2 Rich v., 2J.

Thugaibh an aire agus gleidhibh sihh fhein o shantii. Lucas xit., ij.

An uair a leughas sinn eachdraidh Ghehasi ann an leabhar nan Righrean thig am facal gu'r n- inntinn dean an t-ok is fan r'a dheireadh.

Bha Gehasi 'na sheirbhiseach aig Elisha, aon de na faidhean a b'ainmeile ann an Israel. Air do Naaman a bhi air a leigheas o'n luibhre, thairg e suim mhor airgid do'n fhaidh mar tha- bhartas-buidheachais, ach cha chuireadh an duine le Dia lamh air. Cha b' ann air ghaol duaise a rinn e na rinn e, ach a chionn gu robh e air a lionadh le cumhachd is spiorad Dhe. Cha robh duine anns an robh spioraid an fhior fhaidh riamh sanntach, agus cho fad 'sa bha biadh is aodach aig Elisha cha robh 'n corr a dhith air. Ach cha b'e sin do Ghehasi. Chual e an seanchas a bha eadar a mhaighstir is Naaman agus thuirt e ris fhein Chaomhain 7710 mhaighstir Naa77ian a7i Sirianach io ach 7-uithidh i7iise 'na dheigh agus gabhaidh mi 7ii-eigin uaith. Is ann mar sin a bha; cho luath 's a thionndiadh Naaman aghaidh gu dhachaidh fhein, rmth Gehasi as deigh a' charbaid, dh 'innis e naigh- eachd bhreugach do cheannard righ Shiria, 's fhuair e bhuaith da thalann airgid agus da chul- aidh aodaich. Cha b'urrainn athair nam breug fhein sgeimh a bu bhoidhche 'chur air a' bhreig na chuir Gehasi. Bha leithid a dh' aogasg na firinn air an naigheachd 's gu mealiadh i na h- ainglean. Thuirt e gu'n d' thainig da fhaidh bhochd a dh' ionnsuidh tigh a mhaighstir, nach robh dad aig Elisha a bheireadh e dhaibh, 's 'na eiginn gu'n do chuir e esan a dh' iarraidh air Naaman talann airgid agus da chulaidh aodaich. Fhuair Gehasi na bha dhilh air, ach an aite cobhair a dheanamh air macaibh nam faidh, thaisg e duais na heucorach 'na thigh fhein. 'Na dheigh sin chaidh e agus sheas e gu dalma, baithiseach an lathair a mhaighstir agus air dhasan fheoraich dheth c'aite 'n robh e, thuirt a' ghnuis gun naire nach robh e taobh air bith. Ach bha fhios aig an duine le Dia gu de a rinn Gehasi agus thuirt e ris gu'n tuiteadh breitheanas uamhasach air fhein agus air a shliochd airson a pheacaidh. Tha an naigheachd eagallach a' criochnachadh leis an fhacal : Chaidh e much as fhianuis, 'na lobhar, geal mar shneachda.

Tha facal an Tighearn a' cur maith is uilc mu choinneamh ar sul. Tha e g'ar taladh gu naomhachd is beatha ghlan le bhi toirt cunntais air daoine diadhaidh a fhuair sith is aoibhneas le bhi gluasad ann an aitheantan Dhe is ann an slighe na fireantachd. Ach tha e mar an ceudna a' toirt rabhaidh dhuinn an t-olc a sheachnadh le bhi toirt cunntais air droch dhaoine, Gehasi, Achan, Judas, Si77i07i Alagus, A7tanias, Saphira, daoine breugach, sanntach a thainig gu droch dheireadh.

Faodaidh ao7ipheacadh beatha duine ■mhilleadh. Feumaidh gu robh maith air chor-eigin ann an Gehasi ma'n do thagh Elisha e gu bhi 'na sheirbhiseach, direach mar a dh' fheumadh gu robh maith air chor-eigin ann an ludas an uair a thagh Criosd e gu bhi 'na chompanach ann an laithean 'fheola. Ach ged a bha beagan annt' a bhuineadh do rioghachd an t-soluis, bha moran annt' a bhuineadh do'n t-saoghal. Bhlais iad, ann an tomhas, deadh fhacal De, agus cumh- achdan an t-saoghail ri teachd ach dh' fhas freumh seirbhe annta leis an robh iad air an salachadh agus a thug mu dheireadh a thaoibh gu buileach iad. B'e am freumh seirbhe sin, satmt. B'e sin a' chreag air an do rinn Gehasi long-bhriste. Rinn sannt a chridhe fhein breug- aire is cealgair is mealitair dheth.

Tha 77ioran dhaoi7ic 7iach saoil 7ii's lugha dhiu fhei7i 710 d'a7i coimhears7iaich a chionn g7i blieil iad san7itach. Na faiceadh iad duin' air an daoraich no nan cluinneadh iad e ri mionnan, chuireadh sin crith air am feoil 's cha bhiodh moran meas ac' air. Theireadh iad gu robh e fad o rioghachd Dhe. Ach tha seorsa dhaoin' ann a tha cho fad o'n rioghachd ri luchd nam mionn 's ris na drongairean agus is iad sin na daoi7ie san7itach. Cha toigh leis an t-saoghal so a chluinntinn ach is e 'n fhirinn e. Tha Pol ag radh gu bheil sannt co ionnan ri iodhal aoraidh, 's tha e labhairt uime anns an aon doi^h 's a bheil e labhairt mu neo-ghloine, mu anacainnt, mu fhoreigin, 's mu mhisg. Nach 'eil fhios agaibh, ars' esan, ris na Corintianaich nach sealbhaich luchd deanamh na h-eucorach riogh- achd Dhe, agus nam measg sin tha e 'g aireamh dhaoine sanntach i Cor. vi., 10. Tha Peadar ag radh gur h-e iadsan aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gniomharaibh sanntach, clann nam mallachd. Agus thuirt Esan a's niotha ughdaras no eadhoin Peadar is Pol ; thugaibh an aire agus gleibhibh sibh fhein o shan7it. Thatar am bitheantas a' sealltuinn air sannt mar nacli

30

biodh ann ach failing bheag a dli' fhaodas a bhi fuaighte ri iomadh deagh diiuine. Is aithne dhuinn seiseinean a chum daoin' air an ais o bhord comanachaidh airson daoraich, ach cha chuala sinn riamh iomradh air seisein a chum duin' air ais o bhord comanachaidh airson sannt. Ach cha b'e sin inntinn Ceann na h-eaglais. A reir teagasg Chriosd cha 'n 'eil namhaid aig rioghachd Dhe anns an t-saoghal cho mor ri sannt Tha e mar gu'm biodh droch chogal a thachdas siol na rioghachd. Cha 'n 'e failing bheag a th' ann ach peacadh mor, agus mathair iomadh peacaidh.

Tha ehuid as inotha de dli olc an t-saoghail ag eiridh o skannt. Tha sannt 'na mhathair aobhair air cogadh is foirneart is farmad is geur- leanmhuinn. Mur biodh rioghachdan sanntach, dh' fhaodadh iad an claidhean a bhualadh gu coltairean agus an sleaghan gu corranaibh-sgath- aidh. Mur biodh daoine sanntach dh' fhaodadh an luchd lagha an dorsan a dhunadh. Far a bheil sannt bidh farmad is naimhdeas is iorghuill. Is saoghal do aingidheachd, sannt ; tobar salach as a bheil iomadh freumh seirbhe a' fas. Cha 'n 'eil sith aig an duine shanntach ri cho-chreutairean no ri Dia. Cha 'n 'eil sith aige ris fhein. An aite bhi sealltuinn air a choimh- earsnaich mar bhraithrean 's mar chairdean, tha e sealltuinn orra mar naimhdean, mar dhaoine aig a bheil ni-eigin a tha e miannachadh fhaotainn dha fhein. An uair a tha sinn a' farmadachadh cuid duin' eile, a bhearteas, no dhachaidb, no chliu, no shonas tha sinn a' call ar sonas fhein gun a shonas-san fhaotainn. Tha sinn a' call ar sith inntinn agus as eugmhais gu bheil inntinn duine toilichte, cha 'n 'eil ann ach an diol deirce ged bhiodh a sporan Ian oir. Is aithne dhonih, arsa Pol, bhi iosal agtis is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a fnheaituinn, agus dh' fhoghluim mi, ge b'e staid a?n bheil mi bhi toilichte. ladsan a dh' fhoghluim sin, f huair iad, ann an tomhas, buaidh air an t-saoghal. Gluaisidh iad mar righrean am measg cuideachd lionmhor nan daoine sanntach.

Tha peacanna inntin7i ni s cunnartaiche da'r beatha spioradail no pecaima aiirp. Gabhaidh iad folach mar nach gabh an seors' eile. Cha 'n 'eil iad cho duaichnidh no cho graineil ann an sealladh an t-saoghail, ged tha iad a cheart cho duaichnidh ann an sealladh Dhe. Cha 'n urrainn duine bhi 'na mhisgeir no 'na mheirleach no 'na bhreugaire agus a chliu a ghleidheadh am measg dhaoine. Ach faodaidh e bhi cho sannt- ach ri Gehasi 's cha chuir an saoghal a chorrag air. Faodaidh e bhi feineil, cruaidh-chridheach, gionach agus fhathast bhi air a mheas mar dhuine stuama, prionnspalach. Ach an lathair an Ti d'an leir na h-uile tha cridhe 'n duine sin ann an droch staid, 's mur tig atharrachadh air,

cha 'n fhas siol na rioghachd ann gu brath. Tha gradh do 'n chridhe mar tha ghrian do'n t- saoghal. Tha e toirt cinneis air gach beus is subhailc a's maisiche dh' fhasas ann am beatha 'n duine. Ach tha sannt mar ghaoth ghreann- ach, reota a' gheamhraidh. Bheir e 'm bas 'na lorg. Cha 'n 'eil sinn a' soirbheachadh anns a' bheatha spioradail mur 'eil ar cridheachan a' fas ni's caomhaile, ni's farsuinge, ni's cairdeile 's ni's truacanta r'ar co-chreutairean. Ach an aite bhi fas farsuing tha cridhe 'n duine shanntaich a' fas beag. Aig latha bhreitheanais gheibh sinn duais no diteadh a reir an seorsa cridhe th' againn. Cha 'n eirich gu h-olc dhasan aig a' bheil cridhe mor farsuing, Ian graidh is caomh- alachd. Ach dhasan aig a' bheil cridhe fuar, farraadach, sanntach, toimhsear leis an tomhas a thug e seachad.

Thuirt Solamh gu bheil ceithir nithean nach sasuichear 's nach abair is leor e an uaigh, agus a' bhru neo-thorrach, an talamh nach sasuichear le h-uisge, agus an teine. Dh'fhaod- adh e a radh mar an ceudna aji cridhe sanntach. Cha'n 'eil cainnt aig an duine ghionach ach Their dhomh, thoir dhomh ; an iuilleadh, an tuilleadh. Is beag aige cor dhaoin' eile. Tha chridhe cho cruaidh ri cloich. Bheir e an cuid o na banntraichean 's na dilleachdain los a shannt a shasachadh. Ma bha e aon uair 'na dhuine ceart coguiseach, cha 'n fhada gus an cuir sannt a choguis far a' chruin. Tha e cho furasda do Dhia 's do Bhelial coiseachd le cheile 's a tha e do cheartas 's do shannt.

Tha sannt calg dhireach an aghaidh spiorad an t-soisgeil. Is e namhaid cho mor 'sa thachair air Criosd 'na obair air thalamh. Thuirt E nach robh daoin' ag amas air rioghachd Dhe do bhrigh gu robh 'n cridheachan Ian do spiorad feineil a bha 'g eiridh o shannt. Bha na Pharas- aich an duil, 's tha chuid mhor de'n t-saoghal an diugh fhathast de'n cheart bheachd, nach fhiach duine dad mur 'eil rud aige. Ach theagaisg an Slanuighear atharrachadh beachd cha'n ann am mor phailteas nan nithe ta e sealbhachadh tha beatha 'n duine. Lucas xii., 15. Ann an cos- mhalachd an duine shaoibhir a dh' fhas reamhar air thalamh tha E teagasg cho beag 's cho leibideach 'sa tha beairteas an t-saoghail so ann an solus na siorruidheachd. Tha 'm peacadh daonnan mealltach agus gu sonruichte sannt. Chi a choimhearsnaich gu bheil duine sanntach fada ma faic e fhein e. Tha e mar a' chaith- eamh : an ni a tha follaiseach do shuilean dhaoin' eile tha e ann an ain-fhios do'n duine thinn. Their esan gu bheil e ni's fhearr, ach tha fhios aca san nach fhada gus an tig a' chrioch. Tha 'n duine sanntach stuama stolda gu leor 'na dhol a mach, ach tha spiorad air a ghiulan a mharbhas beatha anma, azus ciod an tairbhe do

31

dhuin' an saoghal uile chosnadh agus a?iam fcin a chall.

Tha 'n duine sanntach tinn le droch droch ghalair luibhie spioradail. Tha chridhe mar bha craicionn Ghehasi. Rannsaich mi., O Z)he, ag7is tiiig mo s?nuaintean, agus ainhairc am bheil slighe ok at?- bith annam, agus treoraich mi aims an t-slighe shiomiidh.

TOMHSEACHAIN.

Dean stad beag, a leughadair, agus tomhais so : Chiinnaic fear gun sui/ean, iihhlan air craoibh Cha d' iJiug e iibhlan leis, 's cha d' fhag e ubhlan oirre.

Cha ruig thu leas gaire dheanamh, 's cha mho ruigeas tu leas a radh riut fhein nach 'eil an corr agam r'a dheanamh 'nuair tha mi toirt lamh air seann fhaoineis. Faoineas ! an d' thubhairt thu ? Le d' chead, tha faoineas is faoineas ann. Tha thu fhein, gun teagamh, 'na d' dhuine ciallach grunndail, mar is cubhaidh do fhear tighe 's do cheann teaghlaich a bhith, ach na robh fhios aig do mhnaoi a tha cho measail ort, 's a tha cho cinnteach nach 'eil fear eile 'sa bhaile cho glic pongail riutsa, air a h-uile faoin- eas a ruith ann 'ad inntinn o dh' eirich thu 'sa mhaduinn an diugh gus an do shuidh thu anns a' chathair aig taobh an teine anns a' bheil thu an drasd 'na d' shuidhe, tha mi gle chinnteach gu'n cuireadh e ioghnadh gu leor oirre, 's gu'n abradh i rithe fhein, ged nach abradh i riutsa, nach 'eil annad ach an gaotharan. Sin agad sin ! Tha mi 'n amharus cuideachd gu'n do rinn thu rud no dha air an t-seachduinn so a b' amadaiche no ged a chuireadh tu seachad feasgar a' cur thomhseachan air a' chloinn. Ged nach ruig ceann Dhomhuill bhig ach bann na briogais agad, tha mi meallta no tha tomh- seachan aige nach h-urrainn thusa thomhas. Bheireadh e toilinntinn do Dhomhull na 'n leig- eadh tu leis a chur ort, agus bhiodh an uiread so de bhuannachd ann dhuit fhein gu'n tuig- eadh tu nach 'eil thu idir cho geur 's cho tapaidh 'sa shaoil thu.

Thuirt thu nach robh 'n corr agam r'a dhean- amh 'nuair tha mi toirt tarruing air an " fhear gun suilean a chunnaic iibhlan air craoibh," ach tha thu cearr a rithist, agus cha ruig thu leas miothlachd a ghabhail ged their mi riut gur dbcha gu bheil fada barrachd agam ri dheanamh na th' agadsa, 's gu'n tugadh tusa 'n leabaidh ort nan robh thu cho sgith ris an fhear a tha nis a labhairt riut. Cha 'n innis mi dhuit gu de 'n uair a tha e, ach bu mhaith leam innse dhuit gu de a thug orm lamh a thoirt air na tomhseachain.

Anns a' mhaduinn bha mi gabhail a' mhonaidh gu ait'iomallach ann an sgireachd nach ruigear

a leas ainmeachadh. An uair a dhirich mi os cionn a' ghlinne, 's a fhuairmi an ceuni a bheir- eadh mi gu'm cheann uidhe, cha robh creutair beo r'a fhaicinn, 's cha robh fuaim a' briseadh na samchair ach corra ghlaodh racach a bheir- eadh coileach fraoich as. Choisich mi air m' aghaidh, cho toilichte ann an companas mo smaointean faoine fhein, 's ged bhiodh tusa, a leughadair, a' toirt dhomh do chomhraidh air nithean domhain 'sa labhairt rium bhriathran glic. Aig lub de'n rathad, 'na sbineadh air a' dhruim direach air an fhraoch, chunnaic mi balach 'na shuain chadail. Ghabh mi clisgeadh gu robh rud-eigin cearr agus stad mi, ach anns a' mhionaid sin fhein dhuisg e, chuir e fo achlais pasg a bha sinnte r'a thaobh, 's dh'eirich e. Bha sinn a' dol an aon rathad agus thuit sinn air seanchas, agus is iomadh latha o nach do thachair companach rium a chord rium cho mhaith ris a' bhrogach a chadail anns an fhraoch. Dh' f heuch sinn a' Bheurl' an toiseach, ach an ceann greis thainig sinn gu Gaidhlig, agus ma thainig, fhuair am fear 6g fuasgladh facail. Cha 'n 'eil mi 'n duil gu bheil eun 'san ealltumn air nach d' thug e tarruing, fhuair mi eolas bhuaith air fichead ni iongantach a bhos is shuas, 's nan do chum mise cuimhne air na chuala mi b' fhiach dhiutsa, leughadair, tigh'nn air cheilidh orm. Cha 'n fhac e 'n fhairge riamh ach dh'iarr e orm innse dha mu'n chuan 's mu bhataichean, agus air dhomh sin a dheanamh, chuir e orm tri no ceithir de cheistean mora a dhearbh dhomh m' aineolas. Mu dheireadh thall, thuirt e rinm Tomhsaibh so agus an sin chuala mi tomh- seachan nach cuala mi o'n dh' fhag mi 'n sgoil, agus air druim a' mhonaidh, ann an teas meadhoin Albainn, fad o'n mhuir chairdeil 's o na h-eileinean an iar, bha coslas seann chomp- anach mu'n choinneamh a bha comhla rium 'san sgoil. Tha e 'n diugh marbh, ach b' ann uaith a chuala mi an tomhseachan an toiseach agus thug facal a' bhalaich e 'nam chuimhne. Thomh- ais mi a' cheud fhear a chuir e orm gu gasda, ach cha do leig e as mi leis a sin, oir bha saighdean eile 'na bholg. Chuir e orm cho mhaith ri coig tomhseachan fhichead agus cha b'urrainn mi thomhas dhiu ach mu thuaiream seachd. Cha do mhi-chord an rud ris a' bhrog- ach, agus thug e dhomh comhnadh far a fac e gu robh comhnadh feu.mail. Thuirt e gur h-e shean-mhathair a dh' ionnsuidh iad dha fhein 's dh' fhaighnich e an robh sean-mhathair agamsa. Dh' f heoraich e dhiom an rachadh agam air seasamh air mo cheann, agus air dhomh aideach- adh gu robh cho mhaith leam gun fheuchainn, dh' iarr e orm am pasg 's a bhoinneid a chumail gus an deanadh e fhein seasamh claidheamh. Ach bha'n latha dol seachad 's b' fheudar dhomh fhein 's do'm chompanach seangarra dealachadh, ach bidh an tuilleadh eolais againn air a cheile.

.3:2

Sin agadsa, a leughadair, gu de a thug ormsa tarruing a thoirt air na tomhsaachain, agus ged a chrathas tusa do cheann 's a dh' fheuchas tu ri sealltuinn ni's glice na tha thu ann an da-rireadh, 's ged a their thu gu'n do thachair burraidh mor air a' bhurraidh bheag an diugh, tha mise 'g radh riut a rithist, le d' chead, gu bheil faoineas is faoineas ann. Na faighinn fhein 's am fear beag greim ort, 's na faodamaid a radh riut tomhais so cha bu mhisd thu dad ar ceasnachadh oir theagaisgeamaid dhuit gu bheil moran nithean air neamh is talanih nach aithne dhuit fhathast.

Tha na tomhseachain cho sean ris a' cheo, agus tha e gle choltach gu robh an duine bu ghlice bha riamh air an t-saoghal car gaolach orra, ged tha thusa 'g radh nach 'eil annt' ach faoineas. Tha sinn a' leughadh ann an eachd- raidh nan ludhach gu robh gaol mor aig Solamh is Hiram air a cheile, 's nach do rinn an raiteachas a bha eatarra mu thomhseachain ach an cairdeas a neartachadh. Cha 'n urrainn dhuit aicheadh, a leughadair choir, nach robh Hiram, righ Thiruis, agus Solamh, righ Israel 'nan daoine glic aig an robh uiread r'a dheanamh 'san tsaoghal 'sa th' agadsa, ach cha robh iad cho driopail 's nach faodadh iad leth-uair a chur seachad an drasd 'sa rithist ann a bhi deanamh 's a' fuasgladh thomhseachan. Chuir iad aon uair geall feuch co am fear a b' fhearr aca. Chain Hiram an geall an toiseach, cha deach- aidh aig' aii- tomhseachain righ Israel fhuasgladh, agus b' fheudar dha suim mhor airgid a phaigh- eadh. Ach bha fear ann an Tirus d'a 'm b'ainm Abdemon a bha anabarrach geur agus thairg esan do Hiram gu feuchadh e ri tomhseachain Sholaimh. Dh' fhuasgail e iad uile, thug e feadhainn lira d'a mhaighstir a dh' fhairtlich air Righ Israel, 's choisinn Hiram an geall air ais. Mas fior na leughar chuir duin' air choreigin an tomhseachan so air Homer Chaidh mi do ft bhein a shealg, Dh'fhag mi maeh an rud a fhuair mi, '5 thug mi dhachaidh an rud nach d' fhuair mi,

's chuir e leithid a dh' fharran, 's a nair' air nach deachaidh aig' air fhuasgladh 's gu'n do bhrist a chridhe. Cha do rinn e riamh car ceart 'na dheigh. Is beag an t-ioghnadh ged nach b' urrainn na Philistich an tomhseachan a chuir Samson orra fhuasgladh As an fkear a dh' itheas thai?iig a mach hiadh, agus as anfhe&r gharg thainig a mack mil/sead : Breitheamhna xiv., 14. Ghabh Samson an cothrora orra, 's cha robh a leithid so do thomhseachan ceart no direach, oir mur biodh fhios aca air an ni a thachair airsan air an t-slig?ie, cha robh e comas- ach dhaibh fhuasgladh le geireid inntinn. Ach ma ghabh Samson an cothrom orrasan, ghabh iadsan an cothrom airsan agus threabh iad le agh da rireadh.

Am measg nan ludhach bha sean fhacail is tomhseachain air an cleachdadh mar mhodh teagaisg. Aomaibh ar cluas, ars' an Salmadair, chum briathran mo bheil, fosglaidh mi mo bhetd an7i an costnhalachd, cuiridh mi sean-fhacail dhorch' an ceill. Tha am faidh Eseceil ag radh gu'n thainig facal an Tighearna 'ga ionnsuidh, ag radh A mhic an duine, cuir a tnach tomhseachan, agus lahbair cosmhalachd ri tigh Israel. Tha gu leoir a thomhseachain anns an t-seann Tiomnadh, gu sonruichte ann an leabhraichean a' Ghliocais. Is ann dhiu sin a tha :

Ceithir nithean nach abair, is leor e. Gnath-

fhocail JO, 16. Ceithir nithean nach aithne dhomh. Gnaih-

fhocait JO, 18. Ceithir nithe beaga tlia ro ghlic. Gnath-fhocail

Ceithir nithean a tha tlachdmhor 'nan siubhal. Gnath-fhocail JO, 2g.

Cha 'n 'eil anns an Tiomnadh Nuadh ach aon tomhseachan uile gu leir ach tha 'm fear sin gun fuasgladh fhathast : An ti aig a' bheil tuigse^ airmheadh e aireamh an fhiadh-bheathaich ; oir is aireamh duine e ; agus is e 'aireamh se ceud agus tri fichead agus se. Taisbean xiv., 18. Ma ghabhas tu mo chomhairle, seachain an radh dorcha so, agus cleachd t-inntinn 's do chridhe air earrannan eile de'n Leabhar naomh a's usa agus a's buannachdaile. Fag aireamh an fliiadh- bheathaich mar tha i.

An deigh dhomh dealachadh ris a' bhalach thug mi greis air smuaineachadh air tomhseach- ain agus thainig e gu 'm inntinn gur h-iomadh rud a bu mhiosa dh' fhaodadh na maighstirean sgoile dheanamh na ged chuireadh iad fhein 'sa chlann seachad uair 'san t-seachduinn a' cur thomhseachan. Tha iomadh ni 'ga dheanamh 's na sgoilean an diugh nach 'eil idir cho mhaith air reir mo bheachd. Bhiodh a' cheart uidhir meas agam air air geireid inntinn a ghill' a thomhseadh so

Theid e null air an abhainn, Thig e nail air an abhainn Innsidh e naigheachd, 'S cha labhair e diog, 's a bhiodh agam ged a dh' innseadh e dhomh a latha 'sa bhliadhna air an do chuireadh Blair na h-Olaind. Cha 'n 'eil cothrom agam an cbrr a radh aig an am, ach creid mi, leughadair, co dhiu is fear no bean thu nach ruigear a leas faoineis a chur as do leth ged a shuidheadh tu am measg na cloinne 's ged a dh'abradh tu riutha Co thomhseas so?

An cutnan iubhair adhair

A thug m' athair as an Ros,

Ged chuireadh tit hheul foidhe

Cha tinadh deur as.

Air. 9.

1908.

U A N 'D E

Feuch uan De a tha toirt air falbh peaeadh ati t-saoghail. Eoin i. 29.

Ann an leabhar an Taisbeanaidh a sgriobh an diadhair Eoin 'na sheann aois, tha e labhairt niu Chriosd gu bitheanta mar Uan. Is ann o Eoin a' Bhaistiilh a fhuair e 'm facal. Dh' fhosgail Dia suilean a' Bhaistich agus thug e dha sealladh air gloir an t-Slanuigheir ma'n robh a' ghloir sin air a foillseachadh do dhaoin' eile. Bha cuid de na h-abstoil an diadhair Eoin am measgchaich a' leantuinn an fhaidh Eoin ma 'n do thoisich iad air Criosd a leantuinn, ach bha Ian fhios aig Eoin gu robh neach a' teachd 'na dheigh aig an robh toiseach air, 's cha dh' iarr e urram a b' airde dha fhein no shghe an Tighearn a dhean- amh direach. Air do Eoin a bhi 'na sheasamh aon latlia maille ri dithis dheisciobul, chunnaic e losa teachd da 'n ionnsuidh 's thuirt e riu Feuch uan De mar gu 'n abradh e, Coma leibh mise tuilleadh, leanaibh Esan. Faodaidh gu 'n do dhichuimhnich each am facal a labhair am Baisteach, ach rinn e leithid a ghreim air inntinn an diadhair Eoin 's nach d' fhuair e riamh facal a b' fhearr leis mu Chriosd na Uan De. lomadh bliadhna an deigh do 'n Bhaisteach a bhi 'san uir, an uair a bha'n diadhair Eoin ann an eilein Phatmois 's a chunnaic e gloir an Tighearna, tha e 'g innseadh an t-seallaidh a chunnaic e ann am briathran a bheir 'nar cuimhne am facal a chual e an toiseach aig abhainn lordain Agus dh' amhairc mi, agus- ann am meadhon nan seanairean Uan 'na sheasamh mar gu 'in biodh e air a mharhhadh. Ma chuimhnicheas sinn nach 'eil a haon de na soisgeulaichean ach Eoin a' labhairt mu Chriosd mar uan, 's gu bheil esan a toirt an ainm so do Chriosd seachd uairean fichead, tuigidh sinn gu 'n do rinn facal a' Bhaistich greim dli'ith air a chridhe, 's nach do dhichuimhnich e e gu latha 'bh&,is. An uair a bha Luther air a leabaidh bhais 's a dh' fhaighnich a bhean dheth gu de'n earrann de 'n Bhiobull a bu mhaith leis i leughadh dha, thuirt e Leugh dhomh nafacail anns an do thilg mi m' acair an toiseach. Is ann mar sin a dh' eirich do 'n diadhair Eoin. Ghreimich am facal uan De air a chridhe 's mar bha na bliadhnachan a' dol seachad fhuair e an tuilleadh soluis ann 's an tuilleadh brigh. 'Na oige thilg e 'acair ann am facal a' Bhaistich, 's na sheann aois bha 'm facal sin fhathast 'na aran beatha d'a anam.

I. Carson a labhair am Baisteach mu Chriosd mar uan ? An robh rud sonruichte sam bith ann an coslas an t-Slanuigheir a thug air Eoin a

shamhlachadh ri uan ? Tha sinn an dull nach do rinn Eoin ach tigh'nn thairis air smuain a thachair air anns an t-seann Tiomnadh. Bha e eolach air an fhacal a bha sgriobhte ann an leabhar Isaiah mu sheirbhiseach an Tighearna thugadh e mar uan chum a' chasgraidh aah cha d' fhosgail e a bheul. Ann an litreachas nan ludhach 's ann an litreachas chinneach eile, tha 'n t-uan air a ghabhail gu bitheanta mar shamh- ladh air ciuine is caomhalaclid. Anns an t-seadh so b'e Criosd da rireadh uan Dhe, oir cha robh riamh aon cho caomhal ris am measg clann Dhe. Bha e caomhal n cairdean is nainihdean, 's cha do chuir e cul ri neach riamh le feirg. Ged a bha cuid de na Pharasaich 'nan daoine maith, bha am maitheas cho fuar ris an t-sneachda. Ach bha leithid a bhlaths 's a chaomhalachd ann am maitheas Chriosd, 's gu robh peacaich is daoin' ain-dhiadhaidh air an taladh 'ga ionnsuidh. Cha b' ann a dhiteadh dhaom' a thainig e do 'n t-saoghal ach 'ga 'n tearnadh, 's bha e moran ni b' fhearr leis cuideachadh leo seach trod riu. Tha cuid a sheirbhisich an Tighearn a dh' fhaodas a bhi air an samhlachadh ri leomhan, 's cuid eile ri uan ; cuid anns a bheil neart gun chaomhalachd 's cuid eile anns a bheil caomh- alachd gun neart. Ach ann an Criosd rinn an leomhan 's an t-uan comhnuidh maille ri cheile. Cha b' ann o laigse naduir a thainig a chaomh- alachd - san ach o neart. Buinidh nimh is naimhdeas do'n troich, ach buinidh caomhalachd do 'n ghairdean tbreun 's do'n chridh' fharsuing. Tha cumhachd is neart Dhe 'nan cuis-eagail do dhaoine gus an cuimhnich iad gu bheil E mar an ceudna Ian caomhalachd is baigh do na creutairean a dhealbh e. A' chuilc bhruite cha bhris e agus an lion d' am, bheil caol smuid cha mhuch e." Isiaih xlii. 3.. Tha cairdeas 'na ghnuis is caomhalachd 'na chridhe, agus thig e d' ar n-ionnsuidh mar an t-uisge ciuin air an talamh.

II. Tha 'n t-uan air a ghabhail le baird is faidhean mar shamhladh air naomhachd is iomlanachd is neochiontas, agus faodaidh gu robh an smuain sin ann an inntinn Eoin an uair a labhair e mu Chriosd mar uan De. Mur biodh Esan gun pheacadh, cha bhiodh e 'na Shlan- uighear dhaoin' a bha tinn le galair a' pheacaidh ; oir as eugmhais gu 'n d' fhuair E fhein buaidh air an t-saoghal, cha b' urrainn dha theagasg d'a bhraithrean ciamar a bhuadhaicheadh iad. Aig crioch a bheatha b' urrainn e radh Co agaibh-sa chuireas peaeadh as mo leth ? Cha 'n e mhain nach b' urrainn daoin' eile dheanamh, ach cha bu leir dha dad a bhuineadh do'n pheacadh ann fhein. Ged a bha choguis mile uair ni 's geire

34

no ar coguis-ne, cha do chuir i riamh peacadh as a leth. Is e sin miorbhuil an Tiomnaidh Nuaidh. Is e sin an fhianuis nach gabh carach- adh. Ua - rireadh labhair Eoin an fhirinn an uair a ghlaodh e Feuch uan Be. Cha ghabh an criin gu brath a thoirt far ceann Chriosd gus an comharraich an saoghal peacadh ann. O chionn dluth air da mhile bliadhna tha ana- creidmhich a' feuchainn ri sin a dheanamh ach dh' fhairtlich orra. Cha b' ann an diugh no 'n de a thoisich an saoghal air oilbheum a ghabhail do Mhac an duine, ach tha naomhachd -san fhathast gun smal, 's tha ainm air ardachadh os cionn gach ainm. Cha d' fhuair an t-suil is bioraiche mearj.chd ann, no 'n cridhe 's guiniche lochd ann. Bha aon duine d'am biodh e gu buanachd cliu Chriosd a mhilleadh. B'e sin ludas. Rachadh aige air e fhein a dheanamh ni bu ghile nam b'urrainn e olc sam bith a chur as leth a' Mhaighstir a bhrath e, ach cha b' urrainn eadhoin teanga an eucoraich sin a dheanamh. An uair a thill e dh' ionnsuidh nan ard-shagairtean 's a thilg e mu 'n casan duals na h-eucorach, thuirt e riu Pheacaich mi ann am brath na fola neo-chiontaich. Bha naimhdean a' furachail 's a farchluais air Criosd gun sgur, ach cha b' urrainn dhaibh rud a bu mhiosa radh uime no c/u rohh e 'na charaid do chis-mhaoir 's do phesicaich 's ag itheadh inaille riu. Bhiodh e 'na ghreim mills dhaibhsan mearachd fhaotainn ann, ach cha d' fhuair iad an cothrom. Bha e anns an teine ach cha do bhean e dha. Cha mho a chunnaic a chairdean a riamh lochd aim. A thaobh beatha duine tha fianuis chairdean moran ni 's airidh air eisdeachd na fianuis naimhdean. Is maith an sgathan suile caraide. Ged a bhios e caomhal ri failingean, is leir dha iad gu maith. Chi suil ar caraid iomadh ni nach faic suil ar namhaid, oir tha e 'gar faicinn aig taobh an teine. Tha sinn am bitheantas air ar faicill an uair a tha suil ar namhaid, oirnn, ach ann an companas ar cairdean tha sinn a' fosgladh uinneagan is dorsan ar cridhe air chor 's gu faic iad earnais an tighe uile maith no dona mar tha e. Is e iadsan a mhain d'an aithne duine aig taobh a' ghealbhoinn a's urrainn breth chothromach a thoirt air. Bha 'n daimh a bha eadar Criosd 's na deisciobuil anabarrach dluth. Bha iad maille ris a latha 's a dh' oidhche, a Shabaid 's a Luan, anns an tigh, anns na bailtean, air an raon Dh' ith is chaidil iad comhla ris, 's chual iad ach beag a h-uile facal a labhair e riamh. Chunnaic is chual iad gu de rinn 's a thubhairt e ann am foUais 's ann an diomhair, air beulaobh a naimhdean 's ann an tighean a chairdean, anns an latha dhorcha 's anns an latha ghrianach, o cheum gu ceum d'a thurus ; agus b'e an fhianuis a thug iad uime gu 'm b' esan da-rireadh Uan De. An uair a leughas sinn an eachdraidh a sgriobh iad, tha sinn a' faireachdainn gu bheil

sinn an lathair neach a bha os cionn an t-saogh- ail. Bhuaireadh e 's na h-uile nithibh air an doigh cheudna ruinne, ach as eugmhais peacaidh. Thug e buaidh air peacadh 'na chridhe ma 'n d' thug e buaidh air 'na chorp air a' chrann, 's bha e air a chomhdachadh le iomlanachd mar le trusgan glan cubhraidh. B'e bhiadh 's a dheoch toil an Athar a dheanamh, 's b' urrainn e radh Ohloraich mi thu air thalam,h, chrioch- tiaich mi an ohair a thug thu dhomh. Tha e 'na sheasamh leis fhein am measg clann nan daoin' iadsan uile peacach ach Esan glormhor ann an gloine na naomhachd.

III. Tha sinn an dull gu robh tuilleadh is caomhalachd is neochiontas Chriosd ann an inn- tinn Eoin an uair a labhair e uime mar uan De. Bha Eoin air a thogail ann an creud nan ludhach agus cha 'n 'eil teagamhnach robh uan na caisge 'na inntinn aig an am. Gahhaidh sihh dhuibh fein uan, hidh an t-uan gun ghaoid, gahhaidh sibh do 'n fhuil agus cuiridh sibh i air an da ursainn, agus an uair a chi mise an fhuil, theid mi thairis oirbh, agus cha bhi 'phlaigh oirbh a chum bhur millidh 'n uair a bhuaileas mi tir na h-Evphit Ecsodas xii. Bha 'n t-ordugh so ag amharc air thoiseach air gu iobairt a b' fhearr 's a bu luachmhoire a bha gu bhi air a tairgsinn aon uair airson peacadh an t-saoghail. Tha sibh air 'ur saoradh, arsa Peadar, le fuil luachmhor Chriosd, mar uan gun ghaoidgu7i sm,al, a bh' air a roimh orduohadh ma 'n do leigeadh bunaitean an tsaoghail. Ma sgriobh Isaiah mu sheirbh- iseach an Tighearna gu 'm biodh e air a thoirt mar uan chum a' chasgraidh, sgriobh euime mar an ceudna gu'n do bhruthadh e airson ar n-ain. gidheachd-neagusgu'n doleaganTighearn airsan euceartan gach aom dinn. Is e so teagasg nam faidhean agus nan abstol. Cha ghabh e cur tuilleadh 'sa choir simplidh no tuilleadh 'sa choir laidir thug Crsosd air falbh peacadh. an t-saoghail le ghiulan 'na chorp fltein air a' chrann, 's tha maitheanas peacaidh air a thairg- sinn do dhaoin' a chionn gu 'n do bhasaich E air an son. Ann am bas an t-Slanuigheir tha gradh Dhe is peacadh an duine a' coinneachadh a cheile, 's tha 'n gradh a' faotainn na buadha. Bha Criosd cumhachdach 'na bheatha, ach bha E ni bu chumhachdaiche 'na bhas. Thainig e steach d'a rioghachd troimh gheatachan a' bhais, agus fhuair E mar thoradh fhulangais uachdar- anachd thairis air an t-saoghal. Bha am facal a labhair E air a choimh-lionadh Mise ma thogar suas o'n talamh tni, tairnigh mi na h-uile dhaoine a'm ionnsuidh.

O uain mo ghraidh, t' fhuil phriseil, bhlath,

Cha chain gu brath a brigh,

Gus am bi mhuinntir shaoirt air fad

Bho 'm peacadh glan d'a trid

Bho'ndhearc moshuil ri d'chreuchdan ciurrt'

35

A' bruchdadh cungaidh shlaint', Gradh-saoraidh Chriosd 's e tha mi luaidh, 'S a bhios gu uair mo bhais.

An lathair a' chroinn-ceusaidh tha aoradh moran ni 's freagarraiche na argumaidean. Dhasan a ghradhaich sinn agus a shaor sinn o ar peac- aidhean 'na fhuil fhein, 's a rmn riyhrean is sagairtean do Dhia dhinn, dhasan gu rohh gloir is moladh gu saoghal nan saoghal.

AN SIONNACH.

Air do shionnach a bhi gabhail a shraide aon latha thainig an t-acras air, 's thuirt e ris fhein ged is maith an cocaire an t-acras, is dona 'n t-acras gun bhiadh. Ach anns a' mhionaid sin fhein thachair coileach mor reamhar air, 's gun uidhir 's a lethsgeul a ghabhail rug e air a' choileach air amhaich, 's thuirt e ris fhein— is e 'n gliocas an trath a cheapadh far a faighear i. Cliunnaic an sionnach nach do chord an rud idir ris a' choileach mhor, 's los tarruing as thuirt e ris Is minic a thainig deagh chomhairle as do bheul fhein, a choihch, innis dhomh gu de dheanadh tu nan robh thu 'na m' aite-sa. Tha sin furasda gu leor a' radh, ars' an coileach, leis am beagan analach a bh' aige Dhuininn mo shuilean, dheanainn altachadh, is dh' ithinn thu. Gle mhaith, ars' an sionnach, bha car de 'n cheart ni a' ruith ann am inntinn fhein 's a chionn gu bheil sinn a dh' aon inntinn, cha ruigear a leas dail a chur 's a ghnothuch. Cha mhor gu 'm b' urrainn an sionnach cumail air fhein leis a' ghaireachduinn, ach phaisg e spogan, chuir e aodann fad' air, 's thoisich e air beann- achadh iarraidh air a' bhiadh. Ach an uair a dh' fhosgail an sionnach a' bheul, fhuair an coileach a chas ma reir 's gun fantuinn r'a lethsgeul a ghabhail, tharr e as, 's cha robh aig an t-sionnach ach altachadh gun bhiadh. Droch pheallach ort, a choilich, ars' esan, is mise 'm fear nach iarr gu brath beannachadh air biadh gus am bi e 'nam chorp.

Tha fhios againn gu bheil cuid a dhaoin' ann aig a' bheil an seors' inntinn ris an abrar an inntinn litireil, daoin' a tha ullamh gu feala-dha a ghabhail ann an da-rireadh, agus dh' iarramaid air na daoine sin ma tha h-aon dhiu am measg ar luchd leughaidh a chreidsinn nach 'eil sinn a' comhairleachadh dhaibh an t-altachadh a dheanamh aig a' cheann chearr de 'n dinneir, mar a chuir aim madadh ruadh roimhe dheanamh an deigh dha 'n coileach a chall. Ma dh' fhaoite gu bheil ar luchd-leughaidh uile 'nan daoine cho pongail 's nach ruig sinn a leas an cur 'nan earalas, ach cha 'n urrainn sinn a bhi cinnteach. Tha 'n inntinn litireil a'tachairt oirnn cho trie 's

gu bheil car a dh' eagal againn roimpe. Tha iadsan aig a bheil i mar gu 'm biodh duin' air leth-shuil. Ged a shaoileas fear na leth-shuil gur leir dha cho mhaith 's a bu leir dha riamh, cha 'n fhaic e ach an rud a tha direach m'a choinneamh Is ann mar sin a tha iadsan aig a bheil an inntinn litireil. Feumaidh tu an tarrung a bhualadh air a ceann ma 'n tuig iad. Cha 'n fhoghainn leth an fhacail no caog de 'n t-suil. Ma dh' fhagas tu an gnothuch mar sin faodaidh tu bhi cinnteach gu 'n tuig iad thu ann an doigh nach robh thu ciallachadh, 's gu 'n gabh iad do chainnt ann an seadh nach do chuir thu fhein innte. Tha e duilich do dhuin' aig a bheil an inntinn litireil an fhirinn innseadh, cha 'n 'ann a chionn nach maith leis sin a dheanamh, ach a chionn nach 'eil e tuigsinn gu ceart. Gabhaidh e do bhriath- ran gu litireil gun suim sam bith do 'n doigh anns an d' thubhairt thu iad. Ma chual e thu ag radh nach 'eil fardain 'nad sporan, innsidh e gu 'n d' thuirt thu ris gu bheil thu gun sgillinn airgid. Ann an aon seadli cha do chuir e na breugan ort, cha do rinn e ach d' fhacal a ghabhail gu litireil. Mur biodh do sporran falamh aig an am cha 'n abradh tu na thubhairt thu, ach tha deagh phasg airgid agad fo ghlais anns a' chiste, agus dh' fhaodadh esan amharus a bhi aige gu robh o'n doigh anns an d' thubhairt thu am facal, 's o'n ghuth anns an do rinn thu do ghearan, ach bha 'n inntinn litireil aige 's cha d' amais e air an fhirinn. Chual e thu la eile 'g radh peasan ri Dorahull, is fear mo ruin ri Iain 's dh' innis e nach bu toigh leat Domhuill idir ach gu robh gaol mor agad air Iain. Bha e cearr a rithist. Thuirt thu peasan ri DomhuU ann an doigh a dh' fhaodadh burraidh a thuigsinn nach robh tu ciallachadh dad cearr a radh ris, agus thuirt thu fear mo ruin ri Iain ann an doigh nach saoileadh neach a chual thu gu robh deagh run sam bith agad dha, ach cha tuig fear na h-inntinii litireil sin. Gabhaidh baigh is gradh a chur anns an fhacal peasan, agus spid is tair is nimh is naimhdeas gu leor a chuir anns an fhacal fear mo ruin, ach ma 's toigh leat sith is reite choimhearsnach coma leat fheuchainn ann an eisdeachd duin' aig a' bheil inntinn litireil. Agus ma tha h-aon dhiu sin am measg ar luchd leugh- aidh— tha sinn an dochas air an sgath fhein nach 'eil theireamaid a rithist nach 'eil sinn ag comhairleachadh dhaibh an t-altachadh a dhean- amh aig a cheann chearr de'n trath no feitheamh gus a bheil am biadh gu sabhailte 'nam broinn. Ach bheireamaid comhairl' orra altachadh a dheanamh aig ceann air chor-eigin, agus tha deagh amharus againn gu bheil a' chomhairle feumail oir is iomadh teaghlach anns nach cluinnear fear an tighe ag iarraidh beannachd no toirt taing do Dhia airson an 15in o cheann gu ceann de 'n bhliadhna.

36

Tha 'n t-am agam innseadh carson a thug mi tarruing air an t-sionnach 's mar dh' eiricli dha fhein 's do 'n choileach. Dean faighidin bheag, a leughadair, is cluinnidh tu. Dh' innis mi dhuit cheana mu 'n bhalach a chuir orm na tomhseachain nach b' urrainn mi thomhas Thachair e orm an diugh a rithist agus dh' fhaighnich e dhiom an robh naigheachd agam coltach ri te a dh' innis mi dha an la ud. B'e sgeulachd an t-sionnach a' cheud te a thainig 'nam cheann agus thug mi dha i, agus cha 'n 'eil reusan agam is cudthromaiche a toirt dhuit-sa nis no gu 'n d' innis mi an diugh cheana i. Chord i ris a' bhrogach, 's dh' iarr e tuilleadh, 's dh' innis mi dha tri eile mu shionnach agus aon te mu mhaighdean mhara, ach cha 'n innis mi iad sin dhuitse, oir tha fhios agam nach deanadh tu ach gaire fanoid. Ach ma dheanadh mo thogair ! Is fhad o chuala mi na sgeulachdan ud an toiseach, 's cha robh fhios agam gu robh iad idir ann an seomraichean diomhair mo chuimhne air an carnadh suas am measg treath- laich eile Ian stuir is tamhain eallaidh. Ach ged a bha iad tiodhlaichte thug aghaidh a' bhalaich an uachdar iad. An deigh dhuinn dealachadh, thoisich mi air smuaineachadh air da ni aig nach robh ceangal air bith r'a cheile agus bheir mi na ceistean sin dhuit, a leughadair, feuch gu de a ni thu dhiu. Tha thu leigeil ort gu bheil thu moran ni 's glice na mise 's am balach beag ach tomhais so

(i) An gabh rud a chaidh aon uair troimh 'n inntinn a dhi-chuimhneachadh gu brath ?

(2) Carson a tha 'n car air a thoirt as an t-sionnach cho bitheanta anns na sgeulachdan Gaidhealach ?

Ubh, ubh, arsa fear na h-inntinn litireil, chaidh mile rud troimh m' inntinn-sa air nach 'eil sgeul an diugh. Tha mi Ian chreidsinn gun deachaidh, ach ged nach 'eil sgeul agad orra 's ged nach h-urrainn thu do lamh a chur orra aig an am, faodaidh gu bheil iad foluichte ann an ciiil air chor-eigin 's gu 'n tachair iad ort an uair nach saoil thu. Tha corr is fichead bliadhna o chuala mise sgeulachd an t-sionnaich 's cha d' thug mi tarruing oirre uaith sin, ach ged nach robh fhios agam fhein air, bha i air a' cur seachad gu curamach ann an oisein d' am inntinn gus an tigeadh feum oirre. Nach trie a thachair e dhuit fhein, a leughadair, gu 'n do leum seann rud air chor-eigin suas 'nad inntinn air nach do smaoin- tich thu o chionn da fhichead bliadhna ! Bha duil agad gu 'n do dhichuimhnich thu e, ach thainig e air ais gun fhios ciamar. Air uairean bidh mi a' coimeas inntinn an duine ri lobhta sabhuil Eoghain Bhain. Tha Eoghan 'na dhuine curamach, crionnta, leis nach toil an rud a's lugha dhol air chall. Cha'n'eil seann chruidh, no brangus, no cipean, no sgonn taoid no

gibhleis sam bith a thachras air nach tog e 's nach tilg e air an lobhtaidh, ach an uair a bhios cipean a dhith air, ged tha fhios aige gu bheil e air an lobhtaidh, is usa dha dol do 'n cheardaich seach an lobhta shiubhal. Tha i Ian de gach seorsa treathlaich, seann suic is sioman ruadh, greallagan is tairngean, udalain is seana bhrogan, dubhain, fiaclan cleithe, is ceud rud eile nach 'eil cuimhn' agams' air no eadhoin aig Eoghan fhein. Chaidh Tearlach mor aon lathagu Eoghan feuch an tugadh e dha peallan tearraidh, agus is e thuirt Eoghan ris Tha amharus agam gu bheil a leithid air lohht an t-sabhuil nam b' urrainn mi mo lamh a chur air. Tha mi 'n duil gur h-ann mar sin a tha inntinn an duine. Tha i a' gleidheadh a h-uile rud a chuireadh riamh innte ged nach h-urrain sinn ar lamh a chur air an uair a tha e dhith oirnn. Their sinn gu bheil cu'mhn' mhaith aig aon duine, 's gu bheil droch cuimhn' aig duin' eile ach nach faod e bhi gu bheil inntinn fear na droch cuimhne mar bha lobhta sabhuil Eoghain Bhain. Ach is e diomhaireachd a th' ann, 's mar bu mhotha smuainich mi air an rud thainig tuainealaich 'nam cheann 's chuir mi romham an tomhseachan fhagail agadsa 'leugh- adair.

Tha 'n naigheachd so ag innseadh ciamar a thug an coileach an car as a' mhadadh ruadh agus tha moran sgeulachdan de 'n cheart sheorsa am measg oigridh na Gaidhealtachd. Rachadh agam air innse ciamar a thug a' chearc 's an f heannag 's a' ghobhar an car as cuideachd, ach fagaidh mi sin bu la eile. Tha 'n sionnach 'na chreutair cho seolta, gleusta, cuilbheartach, 's gu bheil daoine car toilichte an uair a chi iad creutair eile faotainn a' chuid a's fhearr dheth. Is esan da-rireadh gille nan car, agus cha mhi- chord e ri daoine gille nan car fhaicinn anns an toll a chladhaich e airson neach eile. Tha 'n sionnach 's an coileach direach mar a bha Haman is Mordecai. Le tratan is seoltachd dh' uliaich Haman croich airson Mhordecai ach b'e fhein a chaidh a chur oirre. Chi sinn gu bheil daoine daonnan air taobh Mhordecai's a choilich, 's an aghaidh Hamain 's an t-sionnaich ; 's uaith so tuigidh sin gu bheil cridhe 'n duine 'cur an aghaidh foill is ceilg is slaightearachd. Cha 'n 'eil co-fhaireachduinn aig an t-saoghal ri duin' a rinn cron dha fhein ann a bhi feuchainn ris a' char a thoirt a duin' eile, 's tha 'n saoghal ceart. Gheibh duin' anns an t-saoghal so 's anns an t-saoghal eile an dearbh ni a tha e toirt seachad. Toimhsear dha leis an tomhas a bheir e seachad, 's ma tha e tratach, amharusach cuilbheartach faodaidh e bhi cinnteach gu 'n tig an car as fhein la air chor-eigin 's gu 'm bhi e air a' dhruim direach 'sa pholl. An uair a chluinneas tusa, leughadair, gu 'n do rugadh air earball air gille nan car, abair Mo thogair 's mo thogair a rithist.

Air. lO.

1908.

AM MAIGHSTIR COTHROMACH.

Ge b'e ni a ta ceart, ghcibh sibh e. Mata xx. /.

Is e so aon de na tri cosmhalachdan anns an do labhair Criosd mu 'n duals a tha feitheamh air luchd-oibre na Rioghachd. An uair a leughas sinn an naigheachd an toiseach faodaidh gur h-e a' cheud smuain a thig thugainn nach robh e uile gu leir ceart gu faigheadh iadsan nach d'oibrich ach uair a dh' iiine uiread tuarasdail riuthasan a ghiulain uallach agus teas an latha. Ach air dhuinn beachdachadh oirre ni' s fhaide tha e soilleir gu bheil Criosd a' teagasg gu' n do rinn tighearn a' gharaidh fhiona ceartas, 's cha'n a eucoir, Tha 'n cosmhalachd a' teagasg gu bheil Uia ceart, gur leir dha durachd a' chridhe cho mhaith ri gniomh na laimhe, gur h-aithne dha luach gach seirbhis, 's gu bheil E an da chuid ceart agus fialaidh.

Tuigidh sinn an cosmhalachd ni 's fhearr ma sheallas sinn air ais air a' chaibideil a tha roimhe so. Tha an naoieamh caibideal deug a' criochnachadh le facal a bha gu bitheanta air bilean Chriosd, A fa moran airthoiseach a bhiosair dheireadh, agus air dheireadh a bhios air thoiseach. Is ann a chur soluis air an f hacal so a labhair Criosd cosmhalachd a' gharaidh fhiona. Mar gu 'n abradh E Na bithibh an duil gu faigh a h-uile seorsa oibre an duais mhor air an do labhair mi, cha'n e maud na seirbhis ach an dilseachd 's an spiorad anns an do rinneadh i a thoilicheas Tighearna na Rioghachd ; tha an seirbhiseach a shaothraich uair a dh' iiine 's a rinn 'obair le uile chridhe ann a' spiorad a' ghraidh 's na h-irioslachd ni 's taitniche dhasan no 'n seirbhiseach a shaothraich deich uairean ann a' spiorad feineil 's air ghaol duaise. Is leis an Tighearn toimhsaan agus meidhean cearta, 's cha toir Esan d'a Ifeir an cridhe breith eucorach.

I. Tha an cosmhalachd so a' cur soluis air nadur Dhe. Tha maighstir a' gharaidh fhiona 'na shamhladh air Tighearna na Rioghachd. Bha e toileach obair a thoirt do na h-uile, air cho anmoch 's gu 'n tigeadh iad. Thug e aite dhaibhsan a thainig 's a' mhaduinn, ach thug e aite dhaibhsan a thainig 'san fheasgar mar an ceudna. Cha do dhiult a duine. Bha 'n geata fosgailte fad an latha, 's bha 'n cuireadh farsuing. Dh' aidich e obair nan daoine aig an robh moran comais is beagan durachd, ach dh' aidich e mar an ceudna obair nan daoine aig an robh beagan comais is moran durachd.

Cha b' ann air maud na seirbhis a chuir e cudthrom ach air spiorad is riin a' chridhe. Cha do chord na seirbhisich a bha feineil is gionach ris, agus fhreagair a gu grad is gu geur iadsan a thalaich air an tuarasdal 's a rinn gearan A charaid, cha 'n 'eil mi a' deanamh eucoir ort, nach do chord tliu riuni air pheighinn, tog hat do chuid fein agus imich romhad. Ach bha a caomhal agus coir riusan a thoisich anmoch, 's a rinn an obair gu dileas 's gu h-iriosal, nach do rinn cordadh ris mu thuarasdal a chionn gu robh earbs' aca 'na choiread 's na cheartas. Bha iad taingeil aite fhaotainn idir anns a' gharadh fhiona, 's aig deireadh an latha fhuair iad Maighstir a' gharaidh cho c6ir 's cho fialaidh 's a bha e an uair a leig e steach iad. Thug a do gach fear dhiu a pheighinn. Bha iad diomhain a' chuid bu mhotha de 'n latha a chionn nach d' fhuair iad cosnadh, ach fhreagair iad gu toileach cho luath 's a thainig gairm orra. Nan d' thainig a' ghairm orra 's a' mhaduinn fhreagradh iad cho aasgaidh 's a rinn iad aig dol fodha na greine. Bha fhios aig Maighstir a' gharaidh air a sin, agus thug a breith chothro- mach. Tha an naigheachd a' cuir soluis air nadur Dhe, tha trocair is firinn a' comhlachadh a cheil' innte, tha ceartas is caomhalachd a' pogadh beul ri baul. Tha Criosd a' teagasg anns a h-uile cosmhalachd is facal a labhair E riamh gu bheil cridhe Dhe farsuing mar an cuan, gu 'n toir E gras do 'n iriosal agus cuideachadh do 'n bhochd. Ge h-ard an Tighearna, gidheadh scallaidh E air an iriosal ; ach aith7iichidh E an t-uaibhreach fad as. Their an saoghal gu bheil Dia air taobh na laimhe laidir, gur h-e 'n lamh a 's deise is treise, 's nach beir an t-anfhann ach air an spruileach. Ach tha facail anns a' BhiobuU a tha calg-dhiraach 'na aghaidh sin. Glacaidh am bacach a' chobhartach. Sealbhaich- idh na daoine macanta an talamh mar oighreachd. An ti a chailleas a bheatha, iearnaidh e i. Bha tri smuaintean sonruichte air an d' thainig Criosd thairis uair is uair eile do bhrigh gu robh E faotainn tiachd annta :

An ti a th' air dheireadh, bidh e air thoiseach.

Fhuaradh an ni a bha caillte.

Ge b' e dh' islicheas' e fein, arduichear e.

Tha facail mar so a' cur soluis air nadur Dha. Gad tha Esan ard, tha curam aige do na bacaich Gabhaidh E ri daoine aig a' bheil deagh chliu, ach gabhaidh E mar an ceudna riusan a chaill ancliu. Gabhaidh Egu caomhal riusan ris an do

38

bha 'n obair mor, bha 'n obair beag aon tuarasdal aig

chuir an saoghal cul, 's bheir e aite 'na gharadh fiona gus an aon uair deug.

II. Tha ceartas Dhe ni V airde no ceartas dhaoine. Bheir maighstirean saoghalta seachad tuarasdal a reir na h-obrach a rinneadh. Ma bidh an duais mor, 's ma bidh an duais beag. Tha an laimh chuimsich agus tuarasdal eile aig an laimh tbuathail. Cha'n urrainn dhaibh an durachd a ghabhail an aite a' ghniomha. Ach cha' n' eil Dia air a chumhan- nachadh anns an doigh sin. Is leir dhasan gu de a dheanadh daoine nan robh cothrom aca air reir an durachd, 's tha E 'na mhaighstir caomhal dhaibhsan nach d' fhuair ach beagan cothroira. Cha 'n ann leis an aon tomhas a thomhseasDiaah-uileduineaiglaa'bhreitheanais. Bidh iadsan nach d' fhuair an lagh 'nan lagh dhaibh fhein, agus is e an dearbhadh a chuirear air na h-uile an tomhas anns an do ghabh iad ris a?i t-solus a tkainig g' a n-io/insuidh. Is e so an diteadh gu 'n d' thainig an solus do 'n t-saoghal, agus gu'n do ghradhaich daoine an dorchadas ni 's mo na 'n solus Eoin Hi. ig. Bheir Dia fanear an obair a rinn daoine, ach bheir E fanear mar an ceudna na duileadasan a bh' aca r' a chothachadh ; seallaidh E air an airde a rainig iad ach seallaidh E mar an ceudna air an doimhneachd o 'n d'eirich iad. Cha'n 'eil an aon chothroni aig na h-uile ann an reis na beatha, 's do bhrigh nach 'eil daoin' a' toiseach- adh air an reis cas ri cois, cha ruigear a leas a bhi 'n duil gu 'n criochnaich iad cas ri cois. Ma tha aon duine luath laidir 's duin' eile mall bacach, faodaidh nach ann aige fhein a tha chliu no choire sin ach aig a sheanair. Cha 'n 'eil e furasda do 'n duine aig a' bheil droch fhuil 'na chuinlean a bhi cho maith ris an duin' a thainig o phor glan. Tha iomadh a h-aon air a bhreith le clach mhuilinn mu 'amhaich, agus b' e miorbhuil a bhiodh ann nan cumadh e 'cheann an uachdar. Anns a h-uile priosan 'san rioghachd tha daoine a dh' fhaodadh a bhi 'nan naoimh nan d' fhuair iad cothrom 'nan oige. Ach rugadh is thogadh iad am measg misg is aindiadhaidheachd is graineileachd, gun iomradh air Dia no suim d' a lagh, 's do bhrigh nach d' fhuair iad an cothrom a fhuair sinne cha bhi uidhir air iarraidh orra. Oir a ta Dia ceart, agus is aithne dha nithean diomhair gach beatha. Is iomadh saighdear a chaill an latha, a bha cheart cho gaisgeil ris an fhear a thug a mach buaidh. Cuiridh an saoghal cudthrom air a' bhuaidh, ach cuiridh Dia cudthrom air an oidhirp a rinn an saighdear. Faodaidh duine 'n latha chall, agus fathast an oidhirp a rinn e bhi ni 's cliutiche an lathair Dhe no buaidh duin' eile. Faodaidh uiread dilseachd agus oidhirp mhoralta agus airidheachd spioradail a bhi ann an obair nan daoin' a fhuair a'ghairm anmoch, 's a bhios

ann an obair nan daoine a fhuair a' ghairm moch air mhaduinn. Cha mhaigstir cruaidh Dia; cha 'n iarr e air a sheirbhisich clacha creadha dheanamh gun chonlaich, 's cha bhi fiuthair aige foghar f haotainn far nach do chuir E. Bheir E ceartas do na h-uile agus gheibh gach aon u pheighinn. Dh' fhag E aig an eaglais na seirbhisich a ghairm, ach ghleidh E 'na laimh fhein an tuarasdal a thoirt dhaibh.

III. Aidichidh Dia an i-seirbhis a 's lugha. Is maith do 'n t-saoghal gu 'n dean e sin oir tha na daoin' aig a bheil aon talann moran ni 's lionmhoire no na daoin' aig a bheil cuig. Is mor an rud e a radh mu dhuine sam bith gu bheil e firinneach anns a' bheagan. Ann an aon seadh, cha bu chor dhuinn na facail beag is mor a chleachdadh idir mu nithean spioradail. Faodaidh duin' a' cheart spiorad a' nochdadh anns an dleasdanas a's lugha 's a nochdas e ann an obair a thairngeasairedhaoine'gah-ionnsuidh. Tha duine da-rireadh naomh an uair a ni e gach dleasdanas a thachras air beag is mor ann a' spiorad Chriosd. Tha gloir Dhe r' a fhaicinn ann an nithean beag mar ann an nithean mora. Tha chaoimhneas cho driiidhteach r' a chumhachd. Tha na miltean saoghal air curam Dhe, ach feithidh E ri aon chridhe brist a leigheas. Tomhsidh E na h-uisgeachan ann an glaic a laimhe agus sinidh E mach na neamhan le reis, ach cha 'n 'eil e os cionn a chluas a chroraadh ri glaodh aon truaghain, 's a ghairdean a shineadh 'ga chuideachadh. Bha 'n saoghal uile aig Mac Dhe r' a shaoradh 's r' a chosnadh, ach dh' fhan E ri gniomharan trocaireach a dheanamh ri iomadh a h-aon d' a cho- chreutairean nach cualas riamh iomradh air an ainm. Am measg na feadhnach a mhol E, 's a mheas e airidh air an gniomh a ghleidheadh air chuimhne, bha 'bhean a dh' ung a cheann 's a' bhanntrach a thilg da bhonn bheag ann an aite coimhid an ionmhais. Tha mi 'n duil gu 'n do mhol Criosd an da ghniomh so chum misneach is comfhurtachd a thoirt dhaibhsan aig nach 'eil ach aon talann, 's nach d' fhuair a ghairm do 'n gharadh fhiona gu feasgar. Riusan a bhios dileas anns a' bheagan, 's a ni an obair gu dileas durachdach, ann an spiorad na h-irioslachd 's a' ghraidh, cha 'n ann air ghaol duaise ach air ghaol am Maighstir, abraidh Tighearna na Rioghachd aig deireadh an latha Is maith a fhuaras tu, a dheagh sheirbhisich, thigh a steach do aoibhneas do Thighearn.

Carson a ta sibh 'nur seasainh fad an latha diomhanach ? Tha Dia ag iarraidh na h-uile dhaoine, 's cha bhi 'aoibhneas Ian gus a faigh E iad. Tha 'ghairm a tigh'nn thugainn anns a' mhaduinn 's tha i tigh'nn thugainn anns an fheasgar. Tha ait' aige do na seann daoine 's do na daoin' oga 's cha diult e neach sam bith, oir mar is beo mi, deir

39

an Tighearna, cha 'n 'eil tlachd again ami am has an aingidh. Is fhearr toiseachadh anmoch no gun toiseachadh idir ach is e 'mhaduinn an t am taitneach Tha 'n sean fhacal ag radh nach 'eil ann an aithreachas criche ach a bhi cur sil mu 'n Fheill Martainn. Ach is fhearr facal Dhe no 'n sean fhacal agus is e facal Dhe An ti a thig 'am ionnsutdk-sa, cha tilg mi air chor sam bith a mach e.

DOMHULL NAN DAMH.

An cual thu riamh, a leughadair, sgeulachd Dhomhuill nan damh ?

Bha Domhull is triur eile ann am pairt mu fheurach. Bha ceithir daimh aig Domhull ach cha robh aig each ach a dha, 's bhiodh iad daonnan a' gearan gu robh e ag itheadh an cuid feoir. Cha robh Domhull a' leagadh air gu robh e 'gan cluinntinn. Mu dheireadh thall chuir iad romhpa oidhche shonruichte dithis de na daimh aige mharbhadh. Latha de na laithean an uair a thug Domhull sgriob a shealltuinn feuch an robh na daimh reamhar, fhuair e dithis dhiu marbh. Mata ars' esan ris fhein, " bu mhor sibh 's bu cheutach sibh, ach mur dean sibh margadh ni sibh annlann," 's leis a sin dh' fheann e iad. Beagan 'na dheigh so chaidh e do'n bhaile mhor a reic nan seicheanan, ach cha do chuir e as a dheigh ach leth an astair an uair a theirig an latha 's a thainig an oidhche. Shuidh e aig bonn creige, 's chuir e na seicheanan mu cheann is chaidil e. Chual e stioram staram air na seicheanan cruaidh is dhuisg e. Gu de bha sid ach druide gheal, 's chuir e mach a lamh is rug 2 oirre. Ann an glasadh an latha, phaisg e na seicheanan is dh' fhalbh e. Thachair duin' uasal air 's thuirt e ris gu de a th' agad fo d' achlais, a Dhomh- uill ? Tha, ars' esan, eun geal a ni fiosachd, nach innis breug 's nach ceil firinn. Anns a' mhionaid sin fhein thoisich an druid' air feadaireachd. Gu de tha i 'g radh ars' an duin' uasal. Tha i 'g radh rium, arsa Domhull, gu bheil toil agaibh-se a ceannach, 's gu 'n d' toir sibh da cheud bonn oir oirre. Is fiosaiche an t-eun da-rireadh, ars' an duin' uasal, oir tha e 'nam inntinn a ceannach ged nach robh fhios agam gu de bu chor dhomh thairg- sinn dhuit, ach gabhaidh mi an druid aig a facal fhein. Cheannaich e i, 's thug e dhachaidh i, ach cha do labhair i smid gu brath tuilleadh.

An uair a bha Domhull a' cur an oir 's a chistidh an oidhche sin co thainig a steach ach na feadhainn a mharbh na daimh. Gu de an sgeul a thug thu as a' bhaile mhor, ars' iadsan ? Tha, ars' esan, nach 'eil meas air feoil ach pris mhor air seicheanan ; tha mi 'n duil an da dhamh donn a mharbhadh. Cha d' thuirt iad dad aig an am, ach an oidhche sin mharbh iad

an daimh fhein, 's ma 'n d' eirich grian 's ma 'n do thogadh smiiid chuir iad an aghaidh air a' bhaile mhor, 's na seicheanan air an guailnibh. Chaidh iad troimh 'n bhaile, a' glaodhach aird an cinn co chean?iaicheas seiche daimh. Mu dheireadh thoisich muinntir a bhail' air gaireach- duinn 's air magadh orra, 's an uair a chunnaic iad gu robh 'n car air a thoirt asda thill iad dhachaidh.

Sin agad, a leughadair, sgeulachd Dhomhuill nan damh mar a chuala mis' i, ach ma dh' fheoraicheas tu a bheil mi fhein 'ga creidsinn, iarraidh mi ort mo lethsgeul a ghabhail 's gun fiuthair a bhi agad ri freagairt. Mur robh Domhull nan damh air a' bheil an naigheachd a' deanamh iomraidh riamh ann, tha iomadh Domhull ann a tha gle choltach ris, agus tha sliochd na feadhnach eile beo fhathast mar an ceudna. Tha e air uairean duilich a radh gu de bha 'san amharc acasan a chuir an altaibh a cheile na seann sgeulachdan so, no gu de an leasan no 'n gliocas a bu mhaith leo sinn fhoghlum uapa. Faodaidh gu robh iad air an cur r'a cheile an toiseach a chionn gu robh na seana Ghaidheal a' gabhail tlachd ann a bhi leigeil ruith le mac meamna an inntinn, 's a chionn gu robh an saoghal anns an robh iad a tighinn beo ro chumhann airson nam buadhan inntinn a bh' aca. Tha sin fior ann an tomhas, ach aig a' cheart am cha 'n 'eil na sgeulachdan cho faoin no cho gorach 'sa tha moran dhaoin' an duil, oir gabhaidh teagasg a thoirt asda nach ruig eadhoin daoine pongail mar tha thu fhein, a leughadair, a leas a chur an suarachas. Ma dh' fhaoite nach fhaic fear na hinntinn litireil gu bheil seadh sam bith annta, ach is iomadh deagh rud agus gliocas ard air nach ruig esan. Tha e mar gu 'm biodh duine bodhar, dall 's ged a labhras tu ris ann an cosmhalachdan cha'n fhaic e 's cha tuig e. Ged nach 'eil sgeulachdan mar tha Domhull nan damh a' breith airamhaich ort 's 'gad theagasg mar ni am ministear, tha iad ag iarraidh ort breugan, is tratan is naimhdeas is Ion is uilc eile sheachnadh agus firinn is ceartas is onoir is sith a leantuinn. Tha facal Dhe ag innseadh dhuinn gur he gaol an airgid freumh gach uilc, agus tha 'n sgeulachd so mar gu 'm biodh seorsa searmoin air a' cheann teagaisg sin. Tha i a' deanamh di-moladli air sannt, 's a nochdadh gu bheil a pheanas fhein an lorg gach uilc, gu 'n tig iadsan a tha sanntach gu droch dheireadh, 's gu 'n tig an car uaireigin a gille nan car.

Tha tri seorsachan dhaoine air an cur far comhair anns an sgeulachd so agus ged nach 'eil a h-aon dhiu r'a mholadh tha cuid dhiu a's fhearr no each. Is iad na seorsachan sin : Duine gun gho ach car bog. Duine laidir, lonach, deas-bhriathrach ach car

tratach. Dui7ie dona, farmadach ach Ian naimhdeis.

40

I. Tha mi 'gan cur anns an ordugh anns an cor dhaibh seasamh a thaobh am maitheis. Cha robh anns an duin' uasal a cheannaich an druide gheal ach an dearg bhurraidh, ach is ann dha fhein a bha chall sin 's cha 'n ann do dhaoin' eile. Cha 'n urrainn sinn a bhi ro throm air duine nach deanadh olc no eucoir air a choimhearsnach airson an t-saoghail, ged a dh' fhaodas e bhi amaideach gu leor dha fhein. Chreid an duin' uasal na breugan a dh' innis Domhull nan car dha, agus ged a ni thusa, a leughahair, fanoid air, is suarach an fhaihng ann an duine gu bheil e deas gu facal duin' eile chreidsinn. Tha earbsa moran ni 's ion-mholta no amharus, agus ged a chaill am fear so an t-airgiod gun dad air a shon ach druide bhalbh, b' fhearr leam a bhi 'na chota aig deireadh an latha no ann an cota Dhomhuilj. Ach air a shon sin, cha 'n 'eil an duin' uasal uile gu leir r' a mholadh. Faodaidh duin' a bhi gleusta gun bhi amharusach agus a bhi gun ghb ged nach biodh e 'na dhaor amadan. Ma chreideas tusa, leughadair, a huile facal a chluinneas tu, creid- idh tu iomadh uair na tula bhreugan ; 's ma bheir thu geill de sgeamlain nan Domhull a thachras ort aig an fhaidhir Mhuilich 's ann an iomadh ait' eile, thig thu dhachaidh gu d' mhnaoi la air chor-eigin is druide gheal fo d' achlais. Agus CO a theireadh ri bean an tighe gu'm b'olc a rinn i, ged a gheabhadh tusa ruith do 'n teangaidh ! Tha deifir mor eadar a bhi gun gho agus a bhi gun ttir, agus mur h-eile tomhas cuimseach a thur aig duine cha mhor a's fhiach e. Is suarach an cliu air fear sam bith gu bheil e furasd' an car a thoirt as, 's gu 'n creid e rud nach 'eil coltach a chionn gu 'n cuala no gu 'n do leugh e e. An uair a their sinn gu bheil cridhe duine ni 's fhearr na cheann, is" e tha sinn da-rireadh a' ciallachadh gu bheil e e car faoin is bog. Mu dheighinn tur inntinnis simplidheachd cridhe is e theirinn gur maith le cheil iad. Cha 'n 'eil ann an duine gun phonga- lachd ach leth duine. Cuimhnich thusa, a leughadair, gu bheil gu leor a dhaoine leis am bu mhaith druide gheal a reic riut.

II. Ged nach 'eil Domhull r'a mholadh cha'n urrainn sinn gun car de mheas a bhi againn air a sheoltachd 's a ghleustachd. Cha 'n 'eil so a' ciallachadh gu bheil sinn a' moladh a ghniomharan. Is docha nach abradh tu fhein gu robh dol a mach Rob Ruaidh 'Ic Griogair uile gu leir ceart, ach ann an grunnd do chridhe tha car a thaoibh agad ris, 's tha meas agad air airson a sheoltachd 's a luaths, 's a laidireachd. An uair a ni duin' innleachdach cron 'sa bheir e le ghleustachd diilain do neart an lagha chur an sas, cha 'n 'urrainn thu gun meas a bhi agad air a sheoltachd, ged a dhiteas tu an t-olc a rinn e. Is e a 's reusan dha sin gur toigh leinn luaths is neart is geireid is misneach air an sgath

fhein. Cha' n' eil teagamh nach robh daimh Dhomhuill ag itheadh feur chaich, 's nach robh Domhull fhein mar tha feadhainn eile aig a bheil barr-sumaidhaircaitcheann,caoin-shuarach. Cha robh e coguiseach agus bha e gle thoileach cuid an fhir laig a bhi aig an fhear laidir. Ghabh e maith an fheoir cho fad 'sa mhair e, agus an uair a chaill e an da dhamh, cha deachaidh e 'na bhreislich mar theid moran ri aghaidh mi-fhortain, ach gun fantainn ri dol a throd ris na droch choimhearsnaich a mharbh iad (ged bha fhios aige gur h-iad a rinn e) thug e dhiu na seicheanan is shaill e 'n fheoil. B' aithne dha a theanga chumail 's cha 'n amadan an duine da'n aithne sin. Cha robh fios aige 'nuair a dh' fhag e 'n tigh a reic nan seicheanan gu de bha ri tachairt air, ach tha gleustachd an duine ri fhaicinn anns an doigh anns an do ghabh e cothrom air an eun 's air an duin' uasal. B' fhearr leis buannachd no 'n fhirinn, 's cha robh naire sam bith air gu 'n tug e 'n car as an duin' ionraic eile. B' e gaol an airgid dhasan freumh an uile. Ach cha b' ann air ghaol airgid ach air gliaol dioghaltais a dh' innis e na breugan d'a choimhearsnaich agus bha sin ni bu mhiosa. Cha'n'e mhain gu 'n tug e orra call a dheanamh dhaibh fhein ach rinn e iad 'nan aobhar magaidh do sgonn-bhalaich a' bhaile mhoir.- O Dhomhuill, a Dhomhuill, tha thusa luath laidir, deas-bhriathrach, tha t-inntinn neo ar-thaing 's cha tig dad gun fhiosd ort, cha chuir bean no coimhearsnaich 'nad aghaidh oir tha fhios aca nach ruig iad a leas, ach air cho gleusta 's ga bheil thu, 's air cho maith 'sa tha na breugan 's na tratan a paigheadh dhuit, cha 'n 'eil annad ach duine gun choguis, gun fhirinn, gun cheartas. Ged a bhios eagal aig daoine romhad, ni iad tair ort 'nan cridhe.

III. Thug mi an t-ait a's isle dhaibh so a chionn gu robh iad an da chuid faoin agus olc. Bha'n duin uasal faoin ach ionraic, bha Domhull olc ach cha robh e faoin, ach cha robh iad so glic mar na nathraiche 's cha mho a bha iad neo-chronail mar na columain. Dhearbh iad gu robh iad gun tiir an uair a thug iad geill do naigheachd air nach robh dreach na firinn, 's dhearbh iad gu robh iad guineach naimhdeil an uair a mharbh iad daimh Dhomhuill. Is ann air an oidhche a rinn iad sin oir is toigh le luchd deanamh na h-eucorach an dorchadas. Ach tha suilean Dhe mar gu 'm biodh mile coinneal agus rannsaichidh e nithean diomhair an dorchadais. Cha 'n urrainn beannachd Dhe a bhi thairis air beatha dhaoin' a tha gun choguis, gun fhirinn gun cheartas, Ian farmaid is naimhdeis. ladsan a bheannaichear his an Tighea?-?i, mealaidh iad an ialamh, agus iadsan a inhallaichear leis, gearrar as iad. Tlioir fa^near an duine foirfe agus amliairc air att -duine ionraic, oir is i sitii a 's crioch do 'n duine sin.

Air 11.

1908.

AN DIADHAIR EOIN.

Neach a h' ionmhmnn le losa : EoiN xiii, 23.

Cha'n 'eil a h-aon eile de na h-abstoil aig a bheil oisein cho blath ann an cridhe nan creid- mheach 's a th' aig an abstol Eoin. jCha' n 'eil sin iongantach oir fhuair e oisein blath ann an cridhe Chriosd fhein ann an laithean 'fheola. Ma dh' fheoraichear carson a bha e air a thagh- adh a measg chaich gu bhi 'na chuspair gaoil do Chriosd, cha 'n urrainn sinn a radh ach gur cinnteach gu robh ni air chor-eigin ann am pearsa 's an gne an duine a tharruing gradh an t-Slanuigheir 'ga ionnsuidh. Tha cuid a dhaoin' ann a's docha leinn na cheile. Tha cuid a lihaoin' ann nach urrainn sinn a ghradh- achadh ged a dh' aidicheas sinn gur daoine fiachail iad, 's tha daoin' eile ann nach urrainn sinn gun ghaol a bhi againn orra ged is leir dhuinn gu leor a dh' fhailingean annta. Is ann mar sin a thachair do Eoin. Cha robh e iomlan ni's mo na each ; bha Peadar a cheart cho blath- chridheach ris, bha Pol a cheart cho eudmhor ris, bha Nataniel a cheart cho ciuin ris, ach bha ni air chor-eigin 'na aodann 's 'na nadur a dhuisg gaol air ann an cridhe Chriosd.

Ged a bha coig de leabhraichean an Tiom- naidh Nuaidh air an sgriobhadh le Eoin, is suarach na's aithne dhuinn mu eachdraidh a bheatha. Cha d' thug e iomradh air fhein ach ainmic. Cha b'ann a thoirt fianuis uime fhein a thug e lamh air a' pheann, ach a thoirt fianuis rau'n Fhacal a rinneadh 'na fheoil, chum gu'n creideadh an saoghal gu'm b' Esan an solus fior, anns an robh gloir Dhe a' gabhail comhnuidh.

Tha e coltach gu robh curam anma air a dhusgadh ann an Eoin le searmonachadh a' lihaistich, 's gu robh chridhedeas airson Chriosd an uair a thainig E gu abhainn lordain 's a shearnionaich E soisgeul na Rioghachd. Bha briathran a' Bhaistich dha mar fhuaim na tromp- aid 's mar thairneanaich an lagha, ach bha briathran Chriosd dar mar fhrasan blath air an fheur og. Cha do smuainich cridhe Eoin aig an am so air an trdm-chudthrom gloire a bha gu bhi air fhoillseachadh dha mu'm fagadh e an .saoghal, ach o'n latha anns an do ghlac losa an toiseach e, dh' fhan e mailie ri Mac an duine 'na liheuchainnibh 's cha d' fhailnich a dhilseachd no ghradh. Bha e mailie ris an Galile 's na

Jerusalem, chunnaic e na h-oibrichean miorbh- uileach a rinn E, chual e na briathran grasmhor a labhair E, 's le sealladh a shula 's le eisdeachd a chluaise dh' abaich a chreidimh gus mu dheir- eadh an d' thuirt e Ian dearbhachd 's le gair- deachas mor Chunnaic mi a ghloir mar ghloir aoin ghin Mhic an Athar. Ged nach d' innis Eoin dhuinn uiread mu bheatha Chriosd air thalamh 'sa rinn na soisgeulaichean eile, cha b' ann a chionn nach robh fhios aig' air na nithean air an do rinn iadsan iomradh. A ta moran de nithibh eile a rinn losa, agus nam biodh iaduile sgriobhta, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fein na rachadh a sgriobhadh de leabh- raichean. Eoin xxi., 25. Do bhrigh nach b' urrainn dha iomradh a dheanamh air a h-uile rud, thagh e na briathran 's na gniomharan sin a bha e 'n duil a bheireadh air a luchd-leughaidh a chreidsinn gu'm b'e losa :Mac Dhe. Sheall each air Criosd o'n taobh a muigh ^aeh sheall esan air o'n taobh a stigh, agus anns^a. h-uile leabhar a sgriobh e, is e diadhachd Chriosd an ceann-teagaisg toiseach is meadhon is deireadh a shearmoin. Bha e mailie ri Criosd aig na h- amanan a bu sholuimte 'na bheatha air beinn a' chruth-atharrachaidh.ann an garadh Ghetsemani, anns an t-seomar uachdrach, agus anns na h- ionadan naomha sin chunnaic e earlais de'n ghloir a bha ri bhi air fhoillseachadh dha 'na lanachd anns na laithean deireannach. Bha e comhla ri Criosd aig a' chuirm naoimh a mhiann- aich E itheadh mailie ri dheisciobuil roimh dha fulang, agus chual e na briathran deireannach a labhair Mac an duine briathran cho domhain 's cho brioghmhor, cho Ian grais is firinn 's gu bheil iad 'nan aran beatha do'n t-saoghal o'n latha sin gus an diugh. An uair a leag Eoin a cheann air uchd an t-Slanuigheir, bha e mar gu'm biodh e air a thogail suas air beinn an Tighearn far an do bhlais e de nithibh blasda Ian de smior 's a dh' fhion aosda air a dheagh tharruing.

Bha e 'na shuil f hianuis mar an ceudna air bas an t-Slanuigheir 's air dha a bhi dliith do 'n chrann-cheusaidh chunnaic e sealladh iongantach nach faca suil eile co dhiu cha d' thug each riamh tarruing air. Ach lot fear de na saighd- earan a thaobh le sleagh, agus air ball thainig a machfuil agus uisge. Agus thug an ti a chunn aic sin fianuis, agus a ta fhianuis firinneach. Eoin xix., 34. Cha do dhi-chuimhnich Eoin an sealladh ud gu brath, agus anns an litir a

■42

sgriobh e 'na sheann aois tha e tighinn thairis air Is e so esan a thainig tre uisge agus tre fhuil, losa Criosd ; cha'n e tre uisge a mhain, ach tre uisge agus fuil : agus is e an Spiorad a 111 fianuis, do bhrigh gur firinn an Spiorad. I. Eoin v., 6. B' ann air curam an deisciobuil ghaolaich so a dh' fhag losa a mhathair, agus tha e gle choltach nach d' fhag Eoin lerusalem gu deigh a bais. Ach an uair a shiubhai] Muire, 's a bha e saor o'n bh6id a ghabh e cho toileach 'sa ghleidh e cho dileas, dh'fhag Eoin lerusalem 's thoisich e air saothrachadh ann an aobhar an t-soisgeil. Cha'n urrainnear a radh le cinnt sam bith gu de an cearn de'n t-saoghal air an do ( huir e 'aghaidh, ach air reir beul-aithris na h- Eaglais chuir e seachad aireamh bhliadhnachan an Ephesus. Carson a dh' fhag e Ephesus cha'n urrainn sinn a radh, ach ann an leabhar an Taisbeanaidh tha sinn a' leughadh gu robh e ann an eilein Phatmois. Tha cuid am beachd gur h-ann le comhairle shuidhichte 's le shaor thoil fhein a chaidh e do'n eilein iomallach so ; gu'n do theich e air falbh bho dhaoine 's bho dhriop an t-saoghail gu ait' uaigneach anns am b' urrainn dha beachd-smuaineachadh air firinn- ean a' chreidimh, 's air saibhreas do-rannsaichte Chriosd ann an sith is samhchair. Faodaidh sin a bhith, ged a tha e moran ni's roltaiche ris an fhirinn gu robh Eoin ann am Patmos mar phriosanach airson a' chreidimh. Is e sin an doigh anns an do thuig na h-athraichean na briathran a sgriobh e fhein Bha mise Eoin, bhur dearbh-bhrathair, agus bhur companach ann an amhghar, agus ann an rioghachd agus am foighidin losa Criosd, anns an eilein ris an abrar Patmos, airson facail De, agus airson fianuis losa Criosd : Taisbean i, 9.

Ach ma bha Patmos 'na phriosan d'acholuinn cha robh e 'na phriosan d'a spiorad ; dh' fhoili- sicheadh dha nithean a tha, 'sa bha, 's a tha ri teachd, chunnaic e neamh fosgailte agus an Ti a ta 'na shuidhe air an Righ chaithir, agus air dha bhi le aghaidh gun fholach, ag aniharc mar ann an sgathan air gloir an Tighearna, bha e air atharrachadh chum na h-iomhaigh ceudna, o ghloir gu gloir.

Is e na leabhraichean a sgriobh e an dileab a dh' fhag Eoin aig an Eaglais. Ann am fion lios Dhe tha aite fhein aig gach duine, aig fear nan coig talannan 's aig fear na h aon talann, aig an fhear a sgriobhas, aig an fhear a leighseas cuirp, 's aig an fhear a lionas am beul acrach. Bha eadar dhealachadh mor eadar Pol agus Eoin thaobh seirbhis, ach bha ghloir fhein aig gach aon dhiu. B'e gloir Phoil na h-eaglaisean a chuir e air an cois am meafg nan cinneach 's na h-anma a choisinn e mar dhuais a shaothrach, rch b'e gloir Eoin na leabhraichean priseil a sgriobh e leabhraichean anns a' bheil doimh- neachd breithneachaidh, is lanachd beatha, is

diomhaireachd naomh nach d' thug an saoghal asda fhathast. Tha e air innseadh ann am beul- aithris nan ludhach gu'n d' thainig guth Dhe as a h-uile h-aird de'n adhar an uair a thug E seachad an lagh air beinn Shinai. Thainig fuaim a ghutha o'n aird a tuath 's thionndaidh an sluagh an aghaidh gu tuath, agus feuch thainig an guth o'n aird a deas. Thionndaidh iad an aghaidh gu deas agus feuch thainig fuaim a ghutha o'n aird a tuath. Chual iad e anns an aird an iar agus thionndaidh iad an aghaidh siar, agus feuch thainig an guth o'n aird an ear. Thog iad an suilean gu neamh, agus feuch ann an doimh- neachd na talmhainn bha fuaim a ghutha mar thoirm tairneanaich. Ghiulaineadh an guth air sgiathaibh na gaoithe agus chual a h-uile duin' ann an Israel e air reir an daisteachd. Tha mile guth ann an sgriobhaichean Eoin, cuid dhiu a chluinneas na h-uile, ach cuid eile nach cluinn ach iadsan aig a' bheil deagh chlaisteachd. Tha seudan luachmhor anns na leabhraichean a sgriobh an diadhair so, ach is e iadsan aig a bheil an inntinn spioradail a ruigeas orra. Mar is motha bheachd-smuainicheas sinn air a bhriath- ran, 's ann is motha chi sinn an saoibhreas heath' is eolais a th' air fholach annta. Rainig e air ruintean dioiTihair a bha folaichte ann an Dia o thoiseach an t-saoghail agus sgriobh e mar le peann aingil.

Ciamar a rainig Eoin air na nithean so? Cha robh ann ach iasgair ; cha do shuidh e aig casan sgriobhaiche 's cha do chuir tigh foghlum ann an lerusalem a sheul' air. Cha d' ionnsaich e litreachas, ach sgriobh e litreachas a mhaireas gu brath. Dh' ol na linntean a chaidh seachad as na tobraichean a chladhaich Eoin agus chaisg iad an iota 's dh' ath-nuadhaich iad an neart, agus thig na ginealan nach do rugadh fhathast a dh' ionnsuidh nan tobraichean ceudna gu deir- eadh an t-saoghail. Cluinnidh na h-amadain 's an luchd siubhal fuaim a ghutha, agus cluinnidh na daoine glic agus eagnaidh e mar an ceudna. Is e an aon fhreagairt a's urrainnear a thoirt seachad gu 'n do labhair Eoin mar bha e air a gkluasad Zeis an Spiorad Naomh. Bhean teine Dhe ri bhilean. Bha e air a shoillseachadh le solus o'n airde, 's ghluais e mar aingeal am measg nithean neo-fhaicsinneach is siorruidh. Bha chridhe glan mar an sneachda, 's a shuilean Ian soluis. Cha do bhean Criosd ri ni riamh nach do naomhaich e ; bhean e ri Eoin agus feuch rinneadh an t-iasgair 'na fhaidh.

Thae air a radh gu robh esia fichead bliadhna dh' aois 'nuair a shiubhail e, ach cha d' fhailnich a shuil, ni mo a threig a neart e. Bhlais e deagh thiodhlac Dhe agus dh' ath-nuadhaich e 'oige mar an iolair. Tha cuid a dhaoin' ann a bheir dhuinn an rud a's fhearr a th'aca an uair a tha iad fhathast bg. Tha iad ag abuchadh luath. Ach cha b' ann dhiu sin Eoin. Ghabh e nine

4 i

4

4;5

ml:or ag abuchadh ach b' fhiach am foghar fantuinn ris. Ghleidh e am fion a b' fhearr gu deircadh an latha, 's cha do cliuir e peann air pnipcar gus an robh e 'na sheann duine. Tha moran dhaoin' a' stad a dh' fhas gu spioradail ma'n tig loinneag liath 'nan ceann, ach bha Eoin a sior fhas gus an latha mu dheireadh. Bha e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a mach a freumhan ri taobh an t-srutha, aig am bi a duilleach uaine 's nach sguir a thoirt seachad toraidh.

San am am bi iad aosmhor liath Bheir iad mor niheas a mach, Is bithidh sultnihor le deagh bhlath Dhiubh sud gach uile neach. B'e am facal mu dheireadh a labhair e a chlanti bheag, gradhaichihh a cheile. Thoisich e le gradh is chriochnaich e le gradh. Rinneadh an deisciobul ionmhuinn 'na Abstol a' Ghraidh. An do chuir duine riamh uiread brigh ann an tri facail 'sa chuir Eoin an uair a sgriobh e Is Gradh Dia.

AM FITHEACH DUBH.

Thachair dhomh o chionn ghoirid a bhi cois- •eachd troimh ghleann udlaidh. Cha robh bheag a bheatha ri fhaicinn no chluinntinn ach da fhitheach a bha 'g itealaich air slios na beinne 's a' cur failt orm an drasd 's a rithist le guth rbcach. Thug iad 'nam chuimhne facal no dha a chuala mi nia'm faca mi fitheach riamh, agus air do'm inntinn socruchadh air cuid de na facail sin bha 'n t-slighe air a' giorrachadh 's cha d' fhairich mi an tiine del seachad gus an do rainig mi mo cheann-uidhe. Cha 'n 'eil speis sam bith agamsa do'n fhitheach, 's cha mh6 a a their mi riutsa, leughadair, gur h-olc a thubh- airt thu ged a chaineadh tu e gus an teirig cainnt ort. Ach a chionn gu'n do ghiorraich e an t-slighe dhomh an la ud, tha mi sgriobhadh ainme air an duilleig so chum taing a thoirt dha. Is e so an aon reusan a th' agam iomradh a thoirt air. Tha e fior, gun teagamh, nach leugh esan na sgriobhas mi ach is suarach an call dha sin. B' fhearr leis criomag bheag de shuil caorach seach an teisteanas a b'airde a b'arrainn niise thoirt dha ann an leabhar na h-eaglais. Is beag aige gu de shaoileas Cleir Dhun-cailin dheth.

Tha mi 'n duil gu faodadh cliu an fhithich a bhi ni b' fhearr nan robh dath eil' air. Cha'n'eil reusan sam bith gu'm biodh creutairean dubha ni's aingidhe no creutairean geala, ach tha 'n saoghal ullamh gu subhailcean a thoirt do chreutairean geala nach buin dhaibh, 's gu bhi curdhroch nithean as leth chreutairean dubha do

nach 'eil iad idir ciontach. Tha 'n dath duth a samhlachadh 'nar n-inntinnean olc is bas is salachar is gniomharan an dorchadais 's a h-uile mosaiche eile air an togair thu sniuaineachadh, ach tha geal a' samhlachadh gloine is neo- chiontachd is beath'-is gloir. Cha'n'eil teagamh nach 'eil reusan sonruichte air a so, ach aig a' cheart am tha e duilich do na creutairean dubha ceartas fhaotainn, oir tha iad air an diteadh, mar gu'm b' eadh, roimh laimh. An uair a bhitear air- son an droch Spiorad fhein a dheanamh duaich- nidh theirear ris Domhull dtihh. Air a' cheart doigh an uair a labhrar mu'n fhitheach mar am fitheach dubh, tha cliu a' chreutair air a thoirt bhuaith cheana, gun uidhir is cothrom a thoirt dha e fhein a dhion, Tha e tigh'nn a steach do'n t-saoghal fo amharus, agus dh' fheumadh e bhi anabarach faicilleach 'na ghiulan 's 'na cho- luadar man toireadh e air daoin' a chreidsinn gu bheil e ni's fhearr no dhath. Coltach ri fear nan cuaran dh' fheumadh e eiridli uair roimh fhear nam brog. Bha mi ann an lios araidh an la roimhe, agus ann am meadhon a'gharaidh bha ceithir ealachan a' snamh air uisge. Neo -ar - thaing nach robh iad boidheach agus moralach cuideachd, cho geal ris an t-sneachda agus gle thaitneach do'n t-suil. Choisinn gilead a dreach a leithid a chliu do'n eala 's gu'm bi a h-uile sgonn-bhalach a bhios ann an gaol a' coimeas a leaniiain fhein rithe mar nach b'urrainn e dad a b' fhearr a radh m'a leannan no sin. Mas fior na baird tha 'n eala bhan 'na creutair beannaichte. Ach stad beag ort, a leughadair ! Chord na h-ealachan rium agus choisich mi ni bu dluithe dhaibh chum sealladh maith fhaotainn orra, ach ma choisich, chuir aon seann te dhiu car na h-amhaich chaoil, is rinn i air tir, 's bha i 'nam charamh gu guin- each le sgiathan ma'n tug mi 'n aire an t-olc a bha 'na beachd. Creutair cho olc, leibideach, canranach, cha do thachair orm o chionn fhada, ach moar-thaing nach robh i geal. Bha barrachd a dhroch nadur 's a dh' aingidheachd anns an aon choluinn ghil dhreachmhor ud na th' anns a h-uile fitheach duth an gleann Teilt. Faod- aidh ga leor a shalachar bhi fuidh 'n deise ghil, agus is minic a tha deagh chridhe fo chraicionn dubh. Na toir thusa, leughadair, breith air duine no beothach air reir am beoin.

Rinn am fitheach mearachd ann an an tiis a thoiseachaidh 's cha d' fhuair e riamh os a chionn. Tha e coltach ris na sgiobairean a chuir aon long air tir cha 'n earbar long eile riu. Co dhiu nach do chord an aire ris an fhitheach, no CO dhiu a bha e caoin-shuarach ciamar a dh' eireadh do Noah 's d'a chompanaich, cha 'n urrainn mi a radh ; ach cha do thill e airais aon uair 's gu'n d' fhuair e chas mu reir. Cha ghabh e moladh airson a ghniomha 's cha 'n 'eil mise dol a ghabhail a lethsgeil. Tha amharus agam

44

carson nach do thill e. Ged nach 'eil e deanamh dia d'a bhrti ni's motha na creutairean die, tha e gaolach air closaichean 's cha 'n 'eil teagamh nach robh gu leoir dhiu sin ri fhaotainn an am na dile. Far am bi chairbh bidh am fitheach, agus nan robh 'n fheoil na bu ghainne is docha gu'n d' fhuair Noah fios na h-Inid na bu traithe. Tha am fitheach gaolach air closaichean, ach ged nach mol mi a bhlas cha mho a chaineas mi e air a shon. Tha e duilich a thuigsinn gu de am feum a tha iomadh creutair a' deanamh anns a' chruthachadh, ach tha e furasda gu leor a thuig- sinn gu bheil obair fhein air a cur a mach do'n fhitheach, 's gu bheil a ghloir fhein aige am measg nan eun. Tha e deanamh a' cheait ni a tha 'n luchd glanaidh a' deanamh 's na bailtean mora a' giulan air falbh gach salachar is mos- aiche a thogadh plaigh nam fagte iad. Cha mhol mise bias an fhithich, ach an uair a dh'itheas e fhein 's a gharrachdain a' chaora bha grodadh air an raon, faodaidh gu'n do rinn iad obair latha a tha cho buanachdail do dhaoine ri car sam bith a rinn thu fhein an diugh, a leughadair. Esan a sguabas air falbh salchar far an tachair e uir CO dhiu is duine no beothach e tha e deanamh seirbhis ann an tigh mor Dhe.

Cha 'n 'eil fhios agam carson a thagh Noah am fitheach a measg nan eun eile gu del a dh' iarraidh fios na side, mar h-e gu robh e 'n duil gu robh doigh aig an fhitheach air forthais fhaotainn nach robh each. Bidh daone 'n diugh fhathast a' bruidhinn air fios fithich, agus faod- aidh gu robh 'm faca! ann ri linn nan athraichean. Bitear a' cur as a leth nach 'eil rud sam bith an ain-fhios dha, gu'n d' fhuair e eolas na sida o bhodach na gealaich, is eolas a' chuain o'li mhaighdin mhara, is eolas na talmhainn o'n chaiiiich oidhche, 's gur h-aithne dha an ni a tha, a bha, 's a bhitheas. Tha mi'n amharus nach cuireadh am fitheach fhein daoin as a bheachd so. Cha mhisd le eoin 's le daoine barail a bhi orra gu bheil iad ni's fiosraiche na tha iad, 's gu rachadh aca air rud a radh a bheireadh air an coimhearsnaich an suilean fhosgladh nan toilich- eadh iad sin a dheanamh. Is iomadh bodach c6ir anns an taobh tuath a dhearbh nach bu chall ach buannachd dha ann an iomadh doigh an cliu, 's an creideas, 's an ughdarras amharus a bhi aig a choimhearsnaich gu robh e faicinn aislingean, gu robh fios fithich aige, 's gu'n dean- amh e faidheadaireachd. Agus faodaidh e bhi gur h-ann air a' cheart doigh a fhuair am fitheach ceann-fodha air an fheannaig 's air na h eoin eile a tha e cumail fo smachd. Ach ma tha fios aige OS cionn chaich don duaise dha air a shon sin. Tha e faotainn sineadh laithean air tha- lamh nach 'eil acasan, 's cha bhiodh ann ach droch sgoilear mar trusadh e sbruileach eolais air a' chuairt. Cha 'n urrainn mise radh gu de air- eamh a laithean, ach thatar ag radh gu ruig am fitheach aois mhor. Tha e, ma ta, freagarrach

gu leoir gu rachadh yfijj an lorg na h-aoise. Ma dh' abras balach beag facal seangarra no fada thall an eisdeachd sheann daoine, their iad ris Tha fios fithich agad, a laochain.

Ged nach saoileadh thu le sealltuinn air fith- each air an iteig gu bheil e sgiobalta no easgaidh, tha suil gheir is sron ghlan aige, agus cha bhi e fada ruigheachd an ait' anns a bheil closach 'na luidhe. Cha cheum air ghaig leis dol far am bi rbic. Ma'n gann a dh' fhagas an anail a' chaora no 'n t-uan tha fhios aig air, ged bhiodh e astar mhiltean air falbh. Tha shuil cho biorach ri suil maraiche, 'r, fhaileadh cho glan ri cuinnlein gaidseir. Is docha gur h-e so a thug dha ainm fiosache. An ni nach aithne dhasan mu chlos- aichean na duthcha, cha 'n fhiach e radh. Agus is mor e r'a radh mu dhuine no mu eun gu bheil iomlanachd eolais aige air eadhoin aon chuspair.

Tha e 'na dheagh cheann teaghlaich is stuama thaobh bhan. Cha 'n 'eil e coltach ri eoin eile a thaghas ceile iir gach earrach. An uair a phosas e, cha 'n fhuasgail e 'n t-snaoim gus an cuir am bas dealachadh eadare fhein 's a bhean. Ach ma bhasaicheas i, cha 'n 'eil e faicinn mar fhiachaibh air bliadhna chur seachad 'ga caoidh. Gheibh e te eile ann an latha no dha. Ma thig cunnart an rathad na cloinne tha e daonnan deas gus an larach a sheasamh is tapaid a dheanamh air an son. Solaraidh e airson an loin gu dich- iollach 's bheir e dhaibh roinn do gach seorsa cobhartaich a gheibh e, ach a mhain an t-suil. Cha toir am fitheach an t-suil d'a 'iseanfihein. Their a naimhdean gu bheil so 'na chorahara air feineileachd a naduir is cruas a chridhe ach nam b' urrainn e bruidhinn 's a lethsgeul a ghabhail, faodaidh gu'n abradh e nach 'eil suilean amh maith do stamagan og is lag. Bitear ag radh gu bheil e 'na chomhara air bas no mi-fhortan air chor-eigin ma thig fitheach an coir tighe. 'Se dhath a's coireach dha sin, oir tha 'n dath duth air a cheangal ann an inntinnean dhaoine ris a' bhas.

Is a 'm fitheach a' cheud eun a chuireas luim air nid 's an earrach. Toisichidh e air a thigh a chur an ordugh ma'n gann an gobaich an t- earrach.

Nead air Brighde, vbh air Iiiid, eun air caisg Mar bi si?i aig an fhitheach dhubh, hithidh am bas.

Ged a tha na baird ni 's toighiche air an eala no tha iad air an fhitheach, tha iomradh air an fhitheach anns na sean-fhacail cho trie ri eun sam bith.

Cha tig a nead an fhithich, ach am fitheach fhein . Isgea/ leis an fhitheach a gharrach gorm fhein Mallachd athar is bas fithich art. Feiimaidh am fitheach fhein a bhi beo. Tha 'm fitheach a' cur a mach a theanga.

Agus a nis, a leughadair, tomhais so Gu de is ciall do'n iha.ca\ ceist an fhithich air an fheann- aio.

.1

1

i 1

i •I

Air 12.

1908.

AOIBHNEAS CHRIOSD.

A nigheana lerusaldm, na gicilibh air mo shoiisa.

Lucas 23, 28.

Am ireasg na cuideachd a lean losa gu Calbhari tha Lucas ag innseadh dhuinn gu robh moran bhan, a bha ri bron agus 'ga chaomeadh. Cha robh ioghnadh ged a bha, oir b' aithne dhaibh E gu maith agus bha gradh mor ac' dha. An uair a chunnaic iad E air a thoirt thairis an laimh a naimhdean, 's a chaidh a' bhinn eucorach a thoirt a mach, 's a bha n crann-ceusaidh air uliachadh,cha b' urrainn dhaibh cumail orra fhein ni b' fhaide, 's shil iad na deoir. Ach thionn- daidh Criosd agus thuirt E riu, A nigheana Ierusaki?n, na gicilibh air mo shonsa. Gu de bha E ciallachadh 's carson a chronaich E na mnathan ? Shaoileamaid gu'm biodh deoir nam ban 'nan comhfhurtachd dha an am fhulangais. Bha daoin' eile am measg na cuideachd nach do rinn caoidh a chionn gu robh iad caoinshuarach ciamar dh' eireadh dha, 's Ian choma ged a thilgteadh nair' is masladh air a cheann. Cha robh trocair 'nan cridhe, 's ged a bha iad 'nan suil fhianuisean air fhulangas, cha do thaisich an cridhe 's cha d' thainig deur air an suil. Bha fios aig Criosd air a sin, 's bha fios aig mar an ceudna gur h-e meud an gaoil air fhein a tharr- uing deoir nam ban ; agus air dha bhi air a dheanamh coltach r'a bhraithrean 's na h-uile nithean, cha 'n 'eil teagamh nach robh caomhal- achd nigheanan lerusaleim 'na chomhfhurtachd dha an uair a chuir E 'aghaidh air gleann dorch' a' bhais. An am trioblaid is mor an cuideach- adh co-fhaireachduinn bhraithrean. Is e aonar- anachd searbhadas br6in. Ach ged a bha caomhalachd is co-fhaireachduinn nam ban 'na chomhfhurtachd 's na thoileachadh do Chriosd, chaisg E an deoir. Cha robh feum aig' air truas dhaoine aig an am. Cha ruigeadh E leotha shaoilsinn gur h-ann 'na ain-deoin a bha E dol gu Calbhari. Mar gu'n abradh E riu An aite bhi caoidh, 's ann a bu chor dhuibh gairdeachas a dheanamh maiile rium. Cha b'e bron a bha 'na chridhe fhein ach aoibhneas, Ged bu leir dha gu soilleir an deuchainn a bh'air thoiseach air, b' urrainn E radh r'a dheisciobuil na nithean so labhair mi ribh chum gu fanadh mo ghaird- eachas-sa annaibh 's gu'm biodh 'ur gairdeachas \hxi. Ged bha na mnathan 'ga chaoineadh, bha cridhe 'n t-Slanuigheir fhein Ian aoibhneis aoibhneas a bha do-labhairt agus Ian de ghloir.

Thuig Criosd gu robh fulangas is bas air thoiseach air fada ma'n do thuig na deisciobuil e. Leugh E comharan na h-aimsir am feadh 'sa bha 'n suilean-san fhathast duinte. O'n latha chaidh a bhaisteadh an Jordan tha e gle choltach gu'n d' fhairich E cudthrom a' chroinn- ceusaidh air a ghuaillean, 's gu robh fhios aige gu feumadh E fulang ma rachadh E steach d'a ghloir. Dh' fhaodadh E tionndadh a thaoibh uair no dha 's chomhairlich na deisciobuil dha. sin a dheanamh chum Calbhari a sheachnadh, ach an uair a choimhlionadh laithean a ghabhail suas, shuidhich E a ghnuis chum dol gu Jerusa- lem. Cha rachadh E null no nail far na slighe bh'air a cur a mach dha.

Cha 'n 'eil e uile gu leir ceart a bhi smuain- eachadh air Criosd mar neach a chaidh an coinneamh bais 's a cheann crom le naire 's a chridhe Ian broin. Bha naire gu leoir 'sa chrann- ceusaidh ach cha b' ann dhasan. Ged bha 'fheoil a' fulang bha chridhe Ian aoibhneis. Eadhoin an uair a bha neul a' bhais a' sgaoileadh air aodann, cha d' fhailnich a chridhe 's cha_ do chain e 'ghairdeachas. Bha aoibhneas a' measgadh ri bron, 's bha aran aige r'a itheadh nach b' aithne do'n t-saoghal.

Is iad so na tobraichean as an do tharruing Criosd 'aoibhneas.

I. Neo-chio7iteas is naomhachd a bheatha. Ghluais E maiile ri Dia 's bha E gun pheac- aidh. Is e so miorbhuil mhor an Tiomnaidh Nuaidh iongantas a's motha no gu'n do thog- adh corp Lasaruis o na marbhaibh. B'e bhiadh 's a dheoch toil an Athar a dheanamh, 's cha b' aithne dha ann fhein ni sam bith a bhuineadh do 'n t-saoghal no do pheacadh. Tha seorsa sonais ann air an ruig daoine gun naomhachd an sonas a bhuineas do'n fheoil. Ach tha seors' eile ann an sonas a's airde, an sonas a tha 'na bheatha do'n spiorad, air nach ruig ach iadsan a mhain a thug buaidh air an t-saoghal. B'e sin sonas Chriosd. Bha bheatha bruailleanach gu leor o'n taobh a muigh, bha E gun tigh gun dachaidh, is iomadh uair gun ait' anns an leag- adh E a cheann, ach cha do mhill sin a shith, 's cha do chuir e searbhadas 'na chridhe. Dhearbli e 'na fhiosrachadh fhein firinn nam briathran a labhair E cha'n ann le aran a mhain a bheath- aichear duine ach leis gach uil' fhacal a thig o bheul Dhe. Tha cridhe 'n duine naoimh mar gu'm biodh clarsach air a deadh ghleusadh. An uair a bhuailear na teudan, cluinnear ceol mills

46

agus fuaim an aoibhiieis. Tha chuid a's motha de dhaoine mar gu'm biodh clarsaichean briste ; ged a ni iad seorsa ciuil tha 'n ceol gun aoibhneas gun mhilseachd. Tha 'n t-aingidh mar a' mhuir bhuairte nach gabh fois. Ged a dh' fhaodas e bhi ann an sith vis an t-saoghal, cha 'n 'eil sith aige ris fhein ; tha iorghuill 'na chridh' a bheir air falbh 'aoibhneas. Cha robh Criosd ann an sith tis an t-saoghal, oir bha E fhein 's an saoghal calg-dhireach an aghaidh a cheile 's thuirt E nach h-ann a chur sith air an talamh a thainig E ach a chur claidheimh, ach bha E ann an sith ris fhein 's ann an sith ri Dia 's a chionn gu robh, bha 'aoibhneas Ian. Bha naomhachd a chridhe mar chraoibh na beatha dha.

II. Bha lathaireachd Dhe 'na aoibhneas dha gach latha. B'e Dia grian anma. Cha d'thainig neul dorcha riarah eadar E fhein 's a' Ghrian, 's cha do bhristeadh an co-chomunn a bh' aige ri Dia. Faodar a radh uime-san mar nach faodar a radh mu neach eile gun do chreid E Dia. Tha sinn uairean an duil gu robh e ni b' usa dhasan sin a dheanamh no tha e dhuinne, a chionn gu'm b'e fhein Facal Dhe. Ach 'nuair a thainig Criosd do'n t-saoghal ann an coslas feola, 's a ghabh E ar nadur daonaidh, 's a rinn- eadh E coltach r'a bhraithrean 's na h-uile nithean, leig e uaithe cumhachd na Diadhachd air chor 's gu feumaidh E a thaic a leigeil air Dia mar ni daoine. Thuirt E ris na deisciobuil gu robh nithean nach b' aithne dha, 's gu robh nithean nach b'urrainn E thoirtdhaibh nithean a bha an laimh an Athar a mhain. Bheathaich E anam le facal Dhe coltach ri bhraithrean. Fhuair E cuide.acbadh is neart o urnuigh mar dhaoin' eile. Bhuanaich E re na h oidhche ann an urnuigh ri Dia. Lucas vi, 12. Ghleachd E ri Dia ann an urnuigh a chionn gu'n do rinn- eadh E coltach r'a bhraithrean 's gu'm b'eigin dha a chreidimh 's a dhochas 's a mhisneach a chumail beo air an aon doigh riuthsan. Ach cha do chain li riamh 'earbs' ann an Dia. B'e sin gloir a bheath' agus steidh a neart. B'urrainn E daonnan a radh ged mharbhadh E tni earb- aidh mi an?t. Bha amannan 'na bheatha anns an robh e duilich dha greim a chumail air a chreidimh, anns am faodadh E shaoilsinn gu'n do threig Dia gu buileach E, ach eadhoin anns an dorchadas cha d' fhailnich a chreidimh 's cha do chain E 'earbs ann an gradh Dhe. Cha deach- aibh dearbhadh riamh air creidimh duine ni bu chruaidhe na chaidh air creidimh losa an uair a bhruchd an saoghal air mar thuil, 's a thugadh thairis E d'a naimhdean, 's a threig eadhoin a chairdean E, 'sa dh' eirich an glaodh eagallach gu neamh Beir uainn E, Ceus E. Shaol an saoghal gu'n do threig Dia E, ach cha do chaill E fhein earbsa, 's bha aoibhneas 'na chridhe nach b' aithne do'n t-saoghal, oir eadhoin anns

an dorchadas 's ann an uair na h-eigin bha fair- eachduinn aig' air lathaireachd Dhe, 's b'urrainn E radh cha 'n 'eil mi 'nam aonar, tha 'n Athair maille rium. An uair a chailleas na naoimh an sealladh air gnuis Dhe tha brbn is eagal a' lion- adh an cridhe, ach an uair a tha faireachduinn ac' air a lathaireachd tha aoibhneas spioraid aca nach urrainn an saoghal a thoirt uapa.

III. Bha aoibhneas aig Criosd ann a bhi deanamh seirbhis d'a hhrailhrean. Cha d' thainig Mac an duine chum gu'n deantadh frith- ealadh dha, ach a dheanamli frithealaidh, agus dhearbh E 'na bheatha fhein firinn nam briathran a labhair E Tha e ni's beannaichte ni a thabh- airt no gkabhail. Cha 'n urrainn iadsan aig a bheil spiorad feineil a bhi gu brath sona. Tha feineileachd mar gu'm biodh uisge a mhuchas teine an aoibhneis. Is e na daoin' a dhichuimh- icheas iad fhein ann a bhi deanamh ministreil- eachd da'n cochreutairean a ruigeas air an t-sonas a's airde. Saoilidh sinn uairean gu'm bitheamaid sona nam faigheamaid na tha dhith oirnn, 's nan deanadh daoin' eile seirbhis dhuinn, 's nam faigheamaid na ceud ionada- suidhe anns gach cuideachd, ach cha b'e sin an t-slighe air an do rainig Criosd air aoibhneas. Theagaisg Esan le fhacal agus gu sonruichte le eiseimpleir gur h-e iadsan a dh' aicheadhas iad fhein a tha da rireadhsona, 's nach ann am mor- phailteas nan nithe ta e sealbhachadh tha aoibhneas an duine. Tha e tachairt gu trie gu feum aon air chor-eigin ann an teaghlach cud- throm chaich is uallach na dachaidh a ghabhail air a ghuaillean, 's gu feum e iomadh rud a leigeil as an t-sealladh chum an dleasdanas sin a dheanamh. Their an saoghal gur truagh a dh' eirich dha, 's gur bochd a chaill e an cothrom a bha gealltainn buannachd is sonas. Ach is docha gur beag feum an duin' air truas an t-saoghail, 's gu bheil aoibhneas spioraid aige air nach amaiseadh e gu brath nan do ghabh e 'n rathad eile. Tha 'n duine nach abair latha deug 'sa bhliadhna ach Thoir doinh, thoir doinh air an rathad gu mi-shuaimhneas is mi-shonas ; ach blaisidh an duin' a dh' aicheadheas e fhein, 's a ni seirbhis d'a bhraithrean ann an spiorad a' ghraidh aoibhneas a tha 'na bheatha d'a anam. Thug Criosd na bh' aige do dhaoin' eile 's mu dheireadh thug E seachad anam 'nan eiric, ach a chionn gu'n do rinn E sin bha 'aoibhneas Ian. Airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, ghuilain E an crann-ceusaidh.

IV. Bha aoibhneas aig Criosd ann a bhi tearnadh pheacach. Bha fhios aige gu'm biodh fhulangas 's a bhas 'nan cumhachd a bheanadh ri cridheachean dhaoin' anns na linntean ri teachd, 'sa bheireadh air an ais iad gu Dia, 's mheas E nach b' airidh am pian cuirp is inntinn a bha E fulang aig an am bhi air an coimeas ris a' ghloir sin, 's cha ruigeadh e le nigheana

1

§,

J

47

lerusaleim a bhi gul air a shon. Bha iadsan a' smuaineachadh air plan is nair' a' chroinn- ceusaidh, ach bha Esan a' smuaineachadh air an toradh a leanadh a bl.as. Chunnaic E saothair anma 's bha E toiHchte. Rinn E gairdeachas air dha bhi cinnteach gu'n tairngeadh e na h-uile dhaoine 'ga ionnsuidh an uair a thogteadh suas E. B'e aoibhneas Chriosd an la ud a' cheart aoibhneas a th' aig na h-ainglean an uair a ni peacach aithreachas. Ma bu nihaith leinn br6n Chriosd a thuigsinn feumaidh sinn sealltuinn air an la ud anns an do ghuil E os cionn lerusaleim an uair a smuainich E air na h-anmanna gun churam, gun suim do Dhia a bh' anns a' bhaile sin. Chuir cor an t-sluaigh saighead 'na chridhe Ach ma bu mhaith leinn 'aoiblmeas a thuigsinn feumaidh sinn sealltuinn air an la ud a thugadh fios h-uige gu robh na feadhainn ris an abradh Pol " amadain an t-saoghail so " ag iarraidh na Rioghachd Tha mi ioirt buidheachais dhuit, O Athair, airson gu'n d'fhoilhich tint na nithean so do leanabaibh.

Tha daoin' an diugh fhathast an t6ir air aoibhneas spioraid agus ag radh 'nan cridhe O, nach robh fhios agam c' ait' am faighinn e. Cha 'n 'eil ach aon rathad 'ga ionnsuidh, an rathad air an do choisich Criosd romhainn.

A' BHAN-RIGH NACH MAIREANN EAGLAIS NA H-ALBA.

IS

Chuir a' Bhan-righ seachad cuid de na laithean a bu shona 'na beatha anns a' Ghaidhealtachd. Bha gaol mor aic' air an duthaich 's air an t- sluagh, 's bhiodh fadachd oirre gus an tigeadh an t-am anns am faodadh i driop is starum Shasuinn fhagail as a deigh los sith is sarahchair fhaotainn 'na dachaidh Ghaidhealach. Bha i 'na bean chomanachaidh an Eaglais na sgireachd, agus anns an leabhar a sgriobh i m'a beatha 's a Ghaidhealtachd tha i tigh'nn thairis an drasd 'sa rithist air a' bhuannachd a fhuair i bho chuid de na searmoin a chual i innte, 's air a' ghradh 's am meas a bh' aic' air feadhainn de na minist- earan a b' aithne dhi. Am measg na feadhnach sin bha 'n t-Ollamh MacI.eoid, mac "Caraid nan Gaidheal," agus faodaidh gur maith leis a' chuid sin d' ar luchd-leughaidh nach do leugh an leabhar 's a' Bheurla, sinn a thoirt dhaibh an Gaidhlig barail na Ban-righ air.

Baile-Mhoireil An dara Domhnach 'sa' Cheitein 1862. Shearmonaich an t - Ollamh Macleoid, is seirbhis eil' a bu shimplidh 's a bu taitniche 's a bu druightiche cha chuala mi riamh. Labhair e anns an t-searmon mu thrioblaid, mu ghradh Dhe, 's mu fhulangas an t-Slanuigheir, agus

mu'n doigh anns a bheil trioblaid air a beann- achadh dhuinn ann a bhi socruchadh ar cridh- eachan ni's motha air an dachaidh shiorruidh far an coinnich sinn na cairdean gaoil a thugadh bhuainn. Bhean an urnuigh a rinn e air mo shon fhein ri m' chridhe.

Air Di Luain chuir a' Bhan-righ fios air, 's tha i 'g radh gu'm b' fheairrd i fhaicinn. Bhruidh- inn i ris mu bhas Phrionns' Ailbeairt agus dh' innis e dhi mu sheana bhoirionnach a chaill an duine 's a' chlann 's a dh' fhuiling uiread a thrioblaid 's gu'n d' fheoraich e dhi ciamar a chaidh aic' air a ghiulan. Dh' fhag bas an duin' ars' ise, toll cho mor 'nam chridhe 's gu'n do thuit gach trioblaid eiV as. Thuirt a' Bhan- righ gu'm b'e sin a ceart shuidheachadh fhein 's gu robh toll 'na cridhe nach gabhadh gu brath lionadh.

Baile-Mhoireil An dara Domhnach de mhios deireannach an Fhoghair 1864.

Thug an Dr. Macleoid seirbhis thaitneach dhuinn. Bha 'n searmon briagha, cha do leugh e facal dheth 's ghluais e faireachduinnean an t-sluaigh gu h-anabarrach. Chunnaic mi an duine c6ir an deigh an t-searmoin 's bhruidhinn mi ris mu'n uallach 's mu'n bhrbn a bha 'nam chridhe, 's mu na cuaraman saoghalta bh'air mu ghuaillean. Chuir so car mu'n cuairt mi, ach bha esan caomhal is faireachdail, Ian de 'n chreidimh 's de'n dochas sin is urrainn a mhain comhfhurtachd a thoirt do'n chridhe bhriste. 'Na shearmon thuirt e rud a tha gle fhior gu faod sith bhi aig duine gun solas, 's gu faod solas a bhi aige gun sith.

Thuirt i nach cual i riamh duin' a b' fhearr a leughadh na sgriobtuirean na e, 's gu robh na h-urnuighean aige cho simplidh, cho blath, 's cho faireachdail 's gur trie a thug iad oirre na deoir a shileadh. Bha Bhan-righ coltach ri daoin' eile, bha cho mhaith leatha ged nach leughadh ministear a shearmon. Sgriobh i aon uair bha searmon an Dr. 'Ic Leoid anabarrach iaitfteach, gu sonruichte 'nuair a chuir e uaith am paipear. Cha b' abhaist dha 'shearmon a leughadh ach 'nuair nach robh e gu maith, Bha e air obrach- adh cho goirt 's gu'n do bhrist air a shlainte.

Baile-Mhoireil An Domhnach mu dheireadh de'n Cheitein i8j2. Chaidh an t-Ollamh Macleoid an ceann na seirbhis. Thug e dhuinn searmon briagha air a cheann teagaisg, Gu'n tigeadh do Rioghachd. Labhair e mu'n bheatha ri teachd 's mu dhochas nan naomh 's bha 'n searmon Ian graidh is fair- eachduinn. Bha mi cho duilich e fhein fhaicinn ann an droch choltas. Chunnaic mi e rithist 's an fheasgar. Thuirt e gu robh 'n chair throm a' bristeadh a shlainte, nach robh mionaid fois aige eadar obair fhein is obair na h-Eaglais 's na

48

h-Innsean, 's gu feumadh e neo nach seasadh a bhodhig rium mu'n bheatha ri teachd e cinnteach gu'n tugadh Dia taobh thall na h-uagha an n E annainn 's an t-saogbal so. Bha e ni bu mhiosa na Bhan-righ. Thuirt i nach aice gu robh chrioch cho iomaguin uime 'na chridhe beannachd aige an Di-Luain

Glaschu fhagail air ris. Bhruidhinn e 's thuirt e gu robh gu iomlanachd air i air an do thoisich

shaoil e fhein no robh duil sam bith dlulh, ged a bha nuair a dh' fhag i ud.

Baile-Mhoireil

An siathamh la detig de vihios meadhonach

an t-samkraidh i8y2.

Bha mi dol do'm sheomar 'nuair thainig am Briinach 's a dh' iarr e orm cead facal a radh. Thuirt e gu fac' e Cbirneal Ponsonbi, gu robh droch sgeul air tigh'nn mu'n 011a Macleoid, 's gu robh eagal air gu robh e marbh. O, b'e sin a' bhuille ghoirt dhomhsa ! Bha e cruaidh , an duine gaolach, an duine caomhal, an duine blath- chridheach a chall. Chaoin mi gu goirt ach dh' fheuch mi ri curaail orm 's na deoir a chasg, is thug mi taing do'n Bhriinachairson cho caomhal 's a dh' fheuch e ris an sgeul bhronach a bhrist- eadh dhomh sgeul ris am bu bheag mo dhuil. Chuir mi fios air Leopold is dh' innis mi dha e 's do m' mhnathan frithealaidh uile, ach is gann a b' urrainn sinn a ghabhail a stigh. Thuirt sinn ri cheile gu'm bu chall e nach gabhadh a leasachadh. Bha h-uile neach cho bronach Ban-diuc Athuill, Sine Eli, Nic Ghriogair, Coirneal Ponsonbi agus an Dr. Mac an Taillear air an d' thainig a leithid de thiomadh 'nuair a chual e an naigheachd 's gu robh e greis ma'n b' urrainn e bruidhinn. An deigh dhaibh uile m' fhagail, shij mi na deoir a rithist oir bha mo chall mor.

Baik Mhoireil Dihiaiti.

Cha luaithe dhuisgmi na leum sgeul a' bhr6in 'nam chuimhne. Cha b' urrainn mi na deoir a chumail air an ais 'nuair a chuimhnich mi air mo charaid gaoil a rinn uiread air mo shon, a thug dhomh a leithid a mhisnich 's a chomh- fhurtachd ann an 1862-63-64. Bha e daonnan 'na thoileachadh dhomh fhaicinn, ach a nis chain mi e mar a chaill mi an corr a bha dhomh 'na chuideachadh. Chuir mi naigheachd a bhais a dh' ionnsuidh a h-uile h-aon de m' chuid- cloinne, 's cha 'n urrainn mi m' inntinn a shocruchadh air rud sam bith ach an call a thainig orm. Tha mi feuchainn ri dol thairis leam fhein air na thuirt e rium, oir cha robh duine riamh ahns an robh uidhir earbs' agam ann an nithean spioradail is iomaguin cridhe, 's cha d' thug duin' eile uiread misnich is comh- fhurtachd dhomh mu 'n chloinn. Bha earbsa

cho mor aige fhein an Dia, 's bha chridhe cho Ian molaidh.

Sgriobh e litir gu Bhan-Mhorair Eli ceithir la deug ma 'n do shiubhail e agus thuiit a' Bhan- righ gu robh an litir mar gu'm biodh i air a sgriobhadh ann a spiorad na faidhdaireachd. Am measg nithean eile thuirt e

" Moran taing- dhuibh fein 's do'm Bh4n-rig;h airson cuimhneachadh orm. Labhair tni d^ uair an uair- eadair anus an t-Seanadh. Cha b' fheaind mi sin, agus is mor m' eagal nach robh blieag a dh' fheum ann do dhaoin' eile. Bu choir dhomh bhi taingeal, toilichte an diugh. Tha mi tri fichead bliadhna, 's 'nam measgf-san a tha dol a shuidh aig mo bhord tha mo mhathair, mo bhean agus mo naomear chloinne, mo sliiathnar bhraithrean 's mo pheathraichean, agus d4 phiuthar m' athar te dhiu ceiihir iichead bliadhna 's a naoi 's an te eile tri fichead 's a sia deug. Car- son a tha na trocairean so air am buileachadh ormsa seach daoin' eile ! Is ann aig Dia a mhain tha fios. Cha 'n 'urrainn dhomh 'ruintean-sa a thuigsinn, no fhaicinn an drasd ciamar a tha E riaghladh as cionn a chloinne an gliocas 's ann an gradh, gun leth- bhreith ri neach seach a cheile. Ach an ni nach tuig sinn an drasd, tuigidh sinn e 'na dheigh so Biodh earbs' againn an uair nach leir dhuinn. Gu'm beann- aicheadh Dia a' Bhan-riG;h air son a sior-mhaitheis. Tha meas ag'am oirre mar bhoirionnach, tha gaol agam oirre mar bhan charaid, 's tha urram agam dhi mar Bhan-righ. Tha a misneach agus a faighidinn 'nan ciiis ioghnaidh eam."

ToRMOiD Mac Leoid.

Bliadhna 'n deigh a bhais sgriobh a' Bhan- righ Tha e eucomasach dhomh cunntas ceart a thoirt do dhuin' eile air an duine bheannaichte. Cha tuigear ach leosan da'm b' aithn' e nadur is gne an duine chbir. Bha flath is caoimhneas 'na aodann, bha chridhe cho blath 's cho farsuing, a' cur thairis le gradh is cridhealas. Cha robh duine riamh ann a bu mhotha neartaicheadh creidimh dhaoin' eile no an t-Olla Macleoid. Bha chreidimh fhein cho laidir, 's a chridhe cho mor agus gu faodadh ard is iosal, lag is laidir, an seachranach bochd 's an duin' ionraic, tigh'nn h-uige le Ian chinnt gu faigheadh iad co-fhair- eachdainn no comhnadh uaith. 'S ann agamsa bha 'n gaol air a bhi 'na chomhradh 's air a chomhairle iarraidh. Bha tlachd mor aige ann am mais' a' chruthachaidh, 's gaol sonruicht' aig' air a dhuthaich fhein. An uair mu dheireadh a bha e 'n so thuirt mi ris gu robh mi dol a dh' 61 uisge nan tobraichean 'nuair rachainn gu deas air son mo shlainte, ach thuirt esan, 's e tionn- dadh ri uinneig a bha sealltuinn a mach air gleann Dee, Bheir gaoth ghlan nam beann is samhchair an aite so slainte d' ur Morachd nach toir cungaidh sam bith eile. Bha gibht shon- ruicht' aige air misneach is furtachd a thoirt do dhaoine tinne, do dhaoin' a bha dluth air a' bhas, no bh'ann antrioblaid no io.-naguin cridhe. Thuirt ban-charaid rium gur h-e 'n Dr. Macleoid a' cheud duin' air an cuireadh i fios nam biodh i ann an trioblaid.

1

-i

Air 1.

1909

D'AR LUCHD LEUGHAIDH.

Bliadhna mhaith iir dhuibh !

Tha rudha eile seachad.

Mu'n am so 'n uiridh thuirt mi gu'm bithinn toilichte nan cuireadh sibh thugam criomain Ghaidhlig an drasd 'sa ritbist. Ach ma thubhairt, cha do chuir; 's air an aobhar sin, cha 'n 'eil reusan taing a thoirt dhaibhsan nach do choisinn i. Ma dh' fhas sibh sgith am sheanchas, cha'n 'eil arach air ; tha choir' agaibh fhein, 's cha'ne so am fear a ghabhas a lethsgeul. Bhithinn-sa gle thoilichte m' anail a tharruing, nan tairgeadh a h-aon agaibhse dhomh sgeul no laoidh. Mur tairg, bidh a' bhliadhna so mar bha bhliadhn' a dh' fhalbh, sgriobhaidh mi fhein na duilleagan CO dhiu chordas iad ruibh no nach cord.

Ach rinn mi dichuimhne. Chuireadh thugam sgonn searmoin, naigheachd, agus laoidh, a eilein Thiriodh, a Ros, 's as a' Mhorairne : 's tha mi fad an comain na feadhnach a rinn sin. Gad nach tug mi aite dhaibh, cha'n ann a chionn nach robh iad pongail, ach a chionn nach robh iad uile gu leir freagsrrach air an duilleig so. Tha fios agam nan amaiseadh an triuir so air an rud a tha dhith orm, gu bheil iad 'nan deagh luchd pinn. Ma chuireas iad thugam rud am bliadhna, is docha gu faigh e aite 'se sin, ma chuireas iad an ainm 's an sloinneadh ris. Tha e 'na riaghailt agam an ainm a chur ri rud air bith a sgriobhar le daoin' eile, ach cha 'n 'eil mi cur m'ainm ris na sgriobhas mi fhein. Cha bu mhaith leam urram fhaotainn nach buin dhomh. Cha 'n 'eil fios agam co dhiu is fear no bean a sgriobh thugam a Tiriodh, oir cha robh ainm ris an litir. Tuigidh esan no ise, mata, carson nach do chuir mi fios freagairt.

C aite bheil na baird ? Thatar ag radh Hum nach 'eil rud a chuireas mi air 'ur beulaobh a's fhearr a chordas ribh no laoidh, ach ciamar a bheir mi dhuibh an rud nach 'eil agam ? Cha do rinn mise laoidh riamh, oir cha do bhuilich- eadh a' ghibht sin orm, 's mur dean a h-aon agaibh fhein ceol, feumar deanamh as eugmhais. Tha seorsa dona laoidhean ann do nach tugainn aite ged b'e mo bhrathair a chuireadh thugam iad, ach raathig an seorsa ccait, bheirear am follais iad.

A rithist, a leughadair, bliadhna mhaith iir dhuit, 's los fios a thoirt do na baird c'ait' an sgriobh iad, is e m' ainm 's mo dhachaidh :

DomhuU Mac. Laomuinn,

Blair Athuill,

Am Peairt.

CRUITHNEACHD IS COGAL.

Is cos7nh%iil rioghachd neimh ri duine a chuir siol' maith ^na fliearann, etc. Mata xiii, 24.

Ann an cosmhalachd a' chogail tha Criosd a' teagasg dhuinn gun a bhi 'g altram dochas faoin mu staid na h-eaglais air thalamh. Bha iadsan ris an robh E a' labhairt eolach air teagasg Eoin a' Bhaistidh, agus bha cuinihn' aca gu'n do' labhair Eoin mu'n Mhessiah a bha teachd 'na dheigh mar neach aig a bheil a ghiiit 'na laimhy agus glanaidh e tirlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thigh tasgaidh ; ach loisgidh. e am moll le teine nach fcjidar a mhitchadh. Mata Hi, 12. Bha fiuthair aig na h-Iudh- aich ri breitheamh, ach feuch chunnaic iad Slanuighcar. Bha duil aca gu'm biodh an Rioghachd a chuir E air chois iomlan, gu'n cruinnichte innte na h-ionracain uile 's gu'n tilg- teadh a mach aisde na h-aingidh. Anns a' chos- mhalachd so thuirt Criosd riu, Tachraidh sin ach cha d' thainig an t-ara fhathast. Leigibh leis a' chruithneachd 's leis a' chogal fas comhla gus an tig am fogharadh, agus an cuir Mac an, duine a mach 'ainglean agus an cruinnich iad an cruithneachd d'a shabhal 's an tilg iad an cogal 's an teine.

I. Tha cruithneachd is cogal a' fits iaobh ri taobh an cridhegach duin' air thalamh. Cha 'n 'eil duin'' air bith iomlan, 's cha mh5 tha duin' air bith tur aingidh. Anns na daoin' a's fhearr iha iom- adh failing, 's anns na daoin' a's miosa tha maitheas air chor-eigin. Saoilidh sinn 'nuair a leughas sinn mu dhroch ghniomharan Nero nach robh ann ach sgealb a Shatan, ach an deigh a bhais chaidh boirionnach air a' mheadhon oidhch' agus leag i flur air a lie. Bu It^ir dh' ise maith air chor-eigin ann an com na h-aingidh- eachd sin. Saoilidh sinn uairean gu'n d' amais sinn air duin' iomlan, duin' anns nach 'eil ach smior a' chruithneachd, ach 'nuair a gheibh sinn ni's dluithe dha, 's dh' eisdeas sinn r'a chomh- radh ri taobh a' ghealbhoinn, chi sinn gu bheil gas no dha de 'n chogal ann mar an ceudna. Air an laimh eile saoilidh sinn uairean gu'n d'amais sinn air diu nam fear, duin' anns nach 'eil dad ach cogal, ach 'nuair a thig sinn ni's dluithe dha, chi sinn an sid 's an so dias cruith- neachd. Anns na naoimh a's fhearr cha 'n 'eil an t achadh aig Criosd dha fhein gu buileach, 's anns na peacaich a's seachranaiche cha 'n 'eil e aig Satan. Tha 'n cruithneachd 's an cogal a' fas taobh ri taobh. Is dana, mata, an neach a

2

iha deas gu breith a thoirt air daoin' eile. Bu -hor dhuinn sin fhagail aig Dia. Ma ghabhas inne gnothuch ri rud nach aithne dhuinn is d6cha gu'n teid sinn fada cearr, 's gu'n toir sinn cuid nan gobhar do na caoraich. Cha lugha na Diafhein, a tha iomlan an eolas, an caomhalachd 's an co-fhaireachduinn, a hheireadh breith cho- thromach air rud cho diomhair 's cho do- rannsaichte ri cridhe 'n duine.

II. Tha cruithneachd is coga/ a' fas taobh ri taobh anns a huile obair ris an cuir daoin' an Inmh. 'Nuair a sgriobh Pol gu eaglais Chorint mhol e i airson a h-eud, 's thug e buidheachas do Dhia airson a saothair 's a dichioll ann an seirbhis an t-soisgeil, ach leis an ath anail thuirt e—nochdadh ■dhomhsa gu bheil comhstri 'nur measg. Bha maith is olc, eud is comhstri taobh ri taobh anns na h-aon daoine. Air cho eudmhor 's gu'm bi seirbhisich an Tighearn, 's air cho aon-sgeulach 's gu'm bi iad 'nuair a chuireas iad romhpa tois- eachadh air obair anns an Rioghachd, faodar a bhi cinnteach nach teid i fad air a h-aghaidh gus am bi a chorrag aig Satan innte. Far am bi daoine cruinn— co dhiu is buill eaglais iad no nach h eadh faodar a bhi cinnteach gu'm bi farmad is uabhar is comhstri is raiteachas is ■droch nadur an sin, agus iomadh rud eile nach buin do Dhia. Tha moran dhaoin' ann a thilgeas uapa an obair ma chi iad nach 'eil an companaich de 'n aon inntinn riutha fhein, no ma chuirear iad taobh ri taobh ri companaich nach cord riu. B' fhearr leo bhi 'nan tamh seach a bhi air an salachadh le cogal. Ach cha b'e sin inntinn Phoil. Bha comhoibrichean aige- san ann an aobhar an t-soisgeil a bha maith is •dona : bha cuid dhiu a' searmonachadh Chriosd tre fharmad agus cuid eile tre dheadh-thoil, cuid tre chonnspoid agus cuid eile o ghradh, ach cha ■do chuir sin aon chuid ioghnadh no fearg air P61, agus is e thubhairt e— Ciod ma ta ? Co aca is arm an coslas a mhain, no da rireadb, tha Criosd air a shearmonachadh, tha mise a' deanamh gairdeachais. Philip i, i8. Mar gu'n abradh e ris na seirbhisich mhaith Tha fhios agam gu bheil companaich agaibh 'nar n-obair a tha toirt oilbheum dhuibh do bhrigh gu bheil amharus ngaibh nach 'eil annt ach cogal, ach biodh faighidin agaibh agus leigibh leo, giulanaibh le failingean 'ur comh-oibrichean ann an sith, oir tha 'n obair fhein ni's motha no na seirbhisich. Chabhiodh ann ach amaideas saonas a ghabhail, 's an obair a thilgeil as arlamhan, murfaigh sinn companaich air reir ar n-inntinn, 's mur bi na seirbhisich uile iomlan: ni an duine glic a' chuid a's fhearr de'n chuid a's miosa. Nach bu truagh cor an t-saoghail nan do dhiult an Slanuighear sin a dheanarnh ! Thog Esan an garadh le clachan a dhiult clachairean eile. Ghiulain E le aineolas is laigs' is failingean nan Abstol gu faighidinneach. B'e ludas dias cogail cho

salach 's cho puinnseanta 's a dh' f has riamh ann an achadh, ach cha do spion Criosd as an talamh eadhoin an dias sin. Cha do chuir E cul ri ludas gus an do chuir ludas cul ris. Cha robh anns na h-Abstoil aig am feabhas ach naoimh bhochda, 's gu deireadh an latha bha iad fad o iomlanachd, ach ghiulain Criosd leis a' chogal a bu leir dha annta air sgath a' chruithneachd a bha fas annta.

ITT. Tha cruithneachd is cogal a fas taobh ri taobh anns an Eaglais. Is e 'n cruithneachd clann na Rioghachd agus an cogal clann an droch spioraid. Bha cealgairean is mealltairean anns an Eaglais o thoiseach agus is coltach gu'm bi gu deireadh. Tlia Criosd a' teagasg anns a' chosmhalachd so gur h-olc an ghnothuch a bhi mar sin, ach nach gabh e leasachadh an drasd. 'Nuair bha E fhein air thalamh bha cuid 'ga lean- tuinn cha 'n ann a chionn gu'm fac' iad na miorbh- uilean, ach a chionn gu'n d'ith iaddenabuilinnibh 's gu'n do shasuicheadh iad. Eoin vi, 26. Bha iad a' meas gur buannachd an diadhaidheachd. Tha 'n seorsa dhaoine so 's an Eaglais gus an diugh. Is maith leo ainm na diadhaidheachd a bhi aca, ged a tha iad caoin shuarach mu'n taitbhe. Is maith leo bhi measg nan caorach, ged nach toigh leo dealachadh ri nadur nan gobhar. Is beag aca gu de shaoileas Dia dhiu ma gheibh iad deagh chliu o dhaoine. Thuirt an t-Abstol Pol gu'm bu shuarach leis-san breitheanas dhaoine, is e an Tighearn a bheir breith orm, I Cor. iv, 4, ach is e theireadh moran nan labhradh iad an fhirinn gur suarach leosan breitheanas Dhe seach breitheanas dhaoine. Bheir eagal dhaoin' orra an taobh a muigh do'n chupan a ghlanadh, ged nach toir eagal Dhe orra an taobh a stigh dheth a ghlan- adh. Aidichidh iad ainm Dhe am follais, ach an uaigneas cha dean iad a thoil. Tha chealg- aireachd dona gu leor ann an nithean saoghalta ach tha i seachd uairean ni's miora ann an nithean spioradail. Faodaidh na mealltairean sgleo a chur air suilean dhaoine, ach cha chuir iad sgleo air suil an Tighearn a tha mar mhile coinneal. Chuir e an da chuid carraid is iogh- nadh air na seirbhisich cogal a bhi fas anns an fhearann comhla ris a' chruithneachd, agus nan d' fhuair iad an doigh fhein spionadh iad as a fhreumhaichean gach gas dheth, An aill leaf gicn teid sinne agus g'u'n cruifmich sinn ri cheik iad? Ged nach tug Tighearn an fhearainn cead dhaibh sin a dheanamh, faodaidh sinn a bhi cinnteach nach robh e diumbach gu'n d' iarr iad an cothrom. Thuig e gur h-e meud an eud 's an dilseachd a thug orra bhi 'na leithid a chabhaig. Is duine suarach esan nach d'thainig e riamh 'na inntinn an glanadh ceudna dhean- amh air Eaglais Chriosd, a thairg na seirbhisich so a dheanamh air an achadh arbhair. Air uairean saoilidh sinn gur gnothuch furasd e, ach

^

I

tha Criosd a teagasg nach 'eil e idir cho furasda 'sa tha sinn an dull. Tha e 'na aobhar brbin do Che.inn na h-Eaglais mealltairean a bhi 'n taobh a stigh d'a gealachan cho mhaith ri fior Chriosd- uidhean, ach tha E 'g iarraidh oirre giulan leis na cealgairean gu faighidinneach ait sgath nan Criosduidhean, dail a chur anns an dealachadh gus an tig am Fogharadh. Bu mhaith do'n Eaulais nan do lean i teagasg a Maighstir. Bha amannan 'na h-eachdraidh anns an do shaoil i gu robh i na bu ghhce na Esan, agus ghabh i cuisean 'na laimh fhein. Chuir i roimhpe nach fuilingeadh i an cogal ni b' fhaidhe, ach is e bu deireadh do'n ghnothuch gu'n do thilg i mach na martaraich agus feadhainn eile ris an abrar an diugh smior a' chruithneachd. 'Nuair a tiioisichear air spionadh, is trie a gheibh an cogal a chuid a's fhearr dheth. Faodaidh Sean- adh is cleirean is Seiseinean na h-eaglais gach dearbhadh a ihogras iad a chur air na buill a thaobh beath' is creidimh 's tha e iomchuidh is freagarrach gu'n deanadh iad sin ach 'na dheigh sin uile bidh an cruithneachd 's an cogal taobh ri taobh 's an Eaglais fhaicsinnich. Bidh cuid a muigh a bu chor a bhi stigh, 's bidh ainm- ean air an sgriobhadh an leabhraichean coman- achaidh nach 'eil sgriobhta an Leabhar na Beatha air neamh. Tha diomhaireachd 's an leabhar sin a bhios air a chleith o'n t-saoghal gus an cuir Dia a mach, mar bhiianaichean, na h-ainulean.

AM FASGADAIR.

Bha mi ann an seanchas ri bodach geur a mhuinntir Thiriodh an uiridh, agus air dhuinn tarruing a thoirt air duine sonruichte nach faca mise riamh, ach ris an robh esan a' tagar cairdeas fada mach, dh' fhaighneachd mi dheth gu de 'n seorsa duin' a bh'ann. Ma ta, ars' am bodach, faodaidh tu bhi coma, cha robh ann ach an daor fhasgadair. Chord am facal rium, oir thuig mi gu maith gu de bha 'm bodach a' ciallachadh. Cha deanainn an cbrr mineachaidh air an fhacal, mur b'e gu bheil amharus agam gu bheil cuid a leughadairean na duilleig so do nach aithne an t-eun ris an abrar 'sa' Ghs\d\\\\gfasgadair, no 's a' Bheurla, skua. Tha e r'a fhaotainn air clad- aichean na h-aird an lar agus tha aon droch cleachdadh aige a mhill a chliu. An aite solar- adh airson a loin gu dichiollach mar ni creutair- ean eile, tha e faotainn a bheothlainn le lamhachas-laidir. An aite 'sgairbh a thoirt a creagandha fhein', tha e tigh'nn beo air saothair chaich. Cha ruig an Jeisg leis iasgach a dhean- amb, ach neo-ar-thaing nach toigh leis suipeir eisg. Bidh e leantuinn nam faoileann a bhios ag iasgach, agus an uair a mhothaicheas e gu'n

d' fhuair t^ dhiubh cobhartach maith, theid e as a deigh agus gabhaidh e dhith le ghob 's le sgiathan gus an tilg an fhaoileag bhochd a mach an t-iasg a tha 'na goile. Is e sin a tha dhith air an fhasgadair, agus tha shiul cho biorach 's tha e cho sgiobalta 's cho laidir air an iteig', 's gu'm beir e air na thilg an fhaoileann uaipe ma ruig e 'n fhairge. Tha eagal an gonaidh aig cuid de na h-eoin eile roimhe, agus ma chi thusa, leughadair, faoileann agus stearneal ann an diurais ri cheile air stac creige, no ann an gob na tuinne, faodaidh tu bhi cinnteach gur h-ann a' cur sios air an fhasgadair a tha iad. Ged tha 'n fhaoileann ni's motha na 'n stearneal cha 'n 'eil i idir cho tapaidh no cho misneachail ris. Cha 'n fhaca mi faoileann riamh a' tionn- dadh air fasgadair, no a' seasamh a laraich seach a sporran a liubhairt dha ; ach chunnaic mi uair is uair stearneal a' tionndadh air cho clis 's gu iiimheil, 's nach bu ruith ach leum leis an fhasgadair faotainn air falbh uaith. Ach mar is bitheanta, tha eagal aig an stearneal roimhe mar th' aig na faoileannan, 's cha tionndaidh e air a namhaid gus am bi cuisean a' dol thar tomhais air. Anns an eachdraidh a sgriobh am ministear Mac Amhlaidh air h-Iort, tha e 'g innseadh gu robh grain uamhasach aig muinntir an eilein air an fhasgadair, 's gu'm biodh iad a' deanamh diol oillteil air a h-uile fear dhiu air am faigh- eadh iad greim. Cha 'n e mharbhadh idir a dheanamh iad, ach chuireadh iad as na suilean le bior, is dh' fhuaigheadh iad a sgiathan ri rheile, 's leigeadh iad as e 'na eireablach mar sin. Cha 'n 'eil na h-Iortaich r'a moladh airson an gniomha, ach is ddcha gu'n tug am fasgadair reusan dhaibh airson an an-trocair. Tha iadsan an urra ri eoin airson an loin, 's tha 'm fasgadair gaolach air uibhean, 's tha e mar sin a' toirt a' ghreime as am beul.

Tuigidh tu nis, a leughadair, gu de bh'ann an inntinn a' bhodaich 'nuair thuirt e nacli robh anns an duin' eile ach an daor fhasgadair. Tha na daoine car coltach ris na h-eoin : tha cuid dhiu ni's uaisle 's ni's onaraiche no each. Cha 'n 'eil aon chuid uaisle no onoir anns an duin' a tha faotainn a bheothlainn lebhi toirt a' ghreime a beul na feadhnach air a bheil ceann-fodh' nige. Tha ceann-fodha aig an fhasgadair air na faoileannan ach is suarach an cliu dha sin. Dh' fhaodadh e 16n fhaotainn air sheol eile, oir tha e luath laidir; ach eadarsannt is leisg is mosaiche naduir, 's fhearr leis a bhi 'na shliomair am measg eun eile seach dol a dh' iasgach air poll dha fhein. Ma chi thusa duine leasg, lunndach, a leigeas ceann trbm an uallaich air a mhnaoi no air a mhathair no air a phiuthair, a dh' olas gun naire na choisinn iadsan, 's a bhios coma ged bhiodh an t-acras orra ma tha chorp fhein air dealbh, faodaidh tu bhi cinnteach gur h-a:in de shiol an fhasgadair e.

Ach cha b'e so a bha 'm bodach a' ciallach- adh. Tha fasgadair is fasgadair ann. Cha robh 'n duine air an robh sinn a' bruidhinn idir leasg. 'Na aite sin, 's ann a bha e dichiollach, deanad- ach, saoghaltar Bha e 'na dhuine glic, 'na cheann-teaghlaich smachdail, 's 'na bhall eaglais. Cha b' urrainn an saoghal corrag a chur air, ged a theireadh a choimhearsnaich riut ann an cagar gu robh e car gionach, is cruaidh chridheach, 's gu feumadh an suilean a bhi fosgailte an am bhi deanamh malairt ris. Ach an ni a theireadh na coimhearsnaich an uaigneas le guth iosal, thuirt am bodach am follais le guth farumacb, agus am briathran a bu gheire, cha robh aim ach daor fhasgadair. Cha b'e sin do'n bhodach fhein ; bu bheag a bh' annsan a ghne an fhasgadair : nan robh chridhe ni bu chruaidhe, bha sporran an diugh ni bu truime, ach mar d' thubhairt cailleach nan stamh, tha beannachd nam bochd 'na lorg. Tha e beo fhathast, 's tha mi 'n dochas gu'm bi feasgar a latha cho suaimhneach 's a bha e fhein cho fialaidh. Tha fios agam nach faic esan an duilleag so, 's nach tuig duin' eile CO tha mi ciallachadh, ach tha e 'na thoil- eachadh dhomh fhein iomradha thoirt air duine c6ir a's ro thoigh leam 's air nach beag mi.

Theirinn fasgadair ri duin' a ghabhas cothrom air feum neach eile. Ma bha thusa, leughadair, cho mi-fhortanach 's gu'n deachaidh tu an luib a leithid sin a dhuine, cha leig e as a chrogan thu gus an toir e dhiot an t-seiche. Cuiridh e beul-boidheach ort gus a faigh e 'na eiseimeil thu, 's nuair a gheibh chi thu gu bheil innean air spbgan a' chait. Cha 'n aithne dha iochd. Neo-ar-thaing nach bi e geanail riut cho fad 'sa tha rud agad a's urrainn e thoirt bhuait, ach 'nuair a theirgeas an criomadh, stadaidh an gean. Gheibhtear an seorsa so anns gach ceairrd fo'n ghrein, 's anns gach cearn air thalamh, ged a bhi- tear a' cur air marsantan is luchd lagha, ludhaich is luchd malairt airgid, gur h-ann'nam measgsan a's bitheanta thachrar orra. B'e barail Phara mhoir, a b' abhaist seanchas cho tlachdmhor a dheanamh ri 'Caraid nan Gaidheal,' gur he pailteachd an lagha, gorta na tire. Ma stuigear abhagan an lagha ann an duine, arsa Para, faodaidh se e fein a mheas fortanach ma gheibh e as gun larach am fiacall a bhi 'na shail. Cha'h urrainn mi radh co dhiu a bha Para ceart no cearr, oir taing do Ni Maith sheachain mi 'n lagh gus a so, 's cha do stuig mi abhag an duin' eile, 's cha mho a stuigeadh annam i. Tha e furasda gu leor do'n duine ghlic na fasgadairean a sheachnadh : paigheadh e 'rathad, seachnadh e lagh is fiachan.

Tha fasgadairean beag' eile ann a tha ma dh' fhaoite ni's lionmhoire ro na feadhainn mhora dh' ainmich mi, 'se sin r'a radh, daoine spiocach nach maitheadh am bonn-a-sia d'an sean-mhath- air. Cha toir iad dhuit am baraile buntata mur

'eil airgiod ullamh 'na d' laimh. 'Nuair a bhios ckch 'ga reic air criin am baraile, iarraidh iadsan sia tastain. Ma cheannaicheas tu uapa adag eorna, cha ruig thu leas fiuthair a bhi ort ri sguab a bharrachd. Tha an seorsa so gu bith- eanta 'nan daoine cearta, laghail ; ach ged nach urrainear eucoir a chur as an leth, cha mho is urrainear a radh gu bheil iad r'a moladh. Tha iomadh rud laghail nach 'eil dligheach. Cha'n'eil teagamh, ma sheallas sinn air a' ghnothuch air reir litir an lagha, nach robh Ian choir aig an t-seirbhiseach m'a bheil sinn a' leughadh anns a' chosmhalachd, breith air sgornan air an fhear eile, 's iarraidh air a chuid fhein a phaigheadh dha. Tha e coltach gu'n d' thug e dha uair- eigin tri puinnd 's a deich an iasad, 's bha e 'n taobh a stigh d'a choraichean abhagan an lagha stuigeadh ann 'nuair bha 'n nine dol seachad 's nach robh iomradh aig' air paigh- eadh. Bha 'n lagh air a thaobh gun teagamh, ach aig a' cheart am, bha'n gniomh a rinn e leibideach is an-iochdmhor, gu sonruichte 'nuair a chuimhnicheas sinn gur he trocair is caomh- alachd neach eile a chum e fhein o'n phriosan. Cha robh ann ach an daor fhasgadair. Cha'n'eil an garadh criche eadar ceartas is ana-ceartas ach gle iosal, agus is trie leosan aig a bheil an inntinn laghail leum thairis air. Cha 'n 'eil ann an ceartas air uairean ach ana-ceartas, mur 'eil e air a mheasgadh le trocair. Tha 'm fear aig a blieil an inntinn laghail buailttach air a bhi 'na fhasgadair, mur toir e 'n aire, 's mur cum e nadur fo dheagh smachd; 's tha 'm fear aig nach 'eil dad dhi idir buailteach air a bhi 'na ghaoth- aran amaideach, as an toir gach trusdar a thachras air, an car. Cha mhisd duine beagan lagha bhi 'na cheann ma tha trocair 'na chridhe. Is maith le cheil' iad, agus ma tha spiorad an t-soisgeil 'nar cridheachan, cumaidh e an inntinn laghail 'na h-aite fhein.

Gu de theireadh tu ris a bhalach mhor nach tugadh greis de'n sgithinn do'n bhalach bheag, gun riadh, ach gu robh nadur an fhasgadair a tigh'nn am follais, 's gu robh 'n t-am aig 'athair comhairle Sholaimh a ghabhail, 's am ball a dheanamh deas.

LAOIDH 626.

Gach uile thir, 's gach uile shluagh, Air cliii a' Chruitheir biodh a' kiaidh ; Is ainm an t-Sian'gheir biodh gach beul San domhan mh6r a' cur an an ceill. A Dhia, do thrdcair mairidh sior, Is d' fhacal tha gu siorruidh fior ; Lionaidh do ghl6ir an saogh'l gu leir, Co mhairean, buan, ri grian nan speur.

Amen,

i I

i

Air 2.

1909.

CRIOSD IS MUIRE.

' Ghabh Muire punnd do oladh spicnaird ro luachmhor, agus dK ung i casan losa, agus thiormaich i a chasan le 'fait. £oin xii. j.

Air do losa bhi dol suas a dh' lerusalem gu feill na Caisge, chuir e seachad oidhch' am Betani, maille ri Lasarus 's ri dha phiuthair. Cha robh ioghnadh geda dheanadli an teaghlach ud fiuthair ris, oir chuir e comain orra nach b' urrainn iad a dhichuimhneachadh. Cha robh uair a thainig e riamh g' an ionnsuidh nach d'fhuair iad beannachd an lorg a theachd. An uair mu dheireadh a bha e 'm Betani, bha brbn is bristeadh cridhe 's an dachaidh so ; ach ghabh e truas do na peathraichean, 's thug e dhaibh oladh aoibhneis an aite culaidh bhroin.

Cha 'n 'eil teagamh nach cuala Lasarus 's a pheathraichean an t-ordugh a chaidh a mach o na h-ard-shagairtean 's o na Pharasaich aig an am so nam kiodh fkios aig neach air hith cait ail robh e, gtin innseadh se e, clmin gun glacadli iad e. Eoin ii, 57. Ach ma chuala, cha d' thug iad suim do'n aithn' euocraich; 's cha do thionndaidh iad an cul air a' charaid chaomhal a rinn trocair orra ann an la na trioblaid.

Ach bha tuilleadh 's an triuir so am Betani a rinn fiuthair ri Croisd, 's a bha deonach air aoidheachd a thoirt dha an oidhch' ud. B'e aon dhiu sin Simon, an lobhar, Marc xiv, j. Co e Simon, cha'n urrainnear a radh ; ach tha e gle choltach gu'n do leighis Criosd e uaireigin. Bha 'n luibhre 'na galair cho uamhasach 's gu faodadh Simon a radh gu robh esan air a thoirt o na marbhaibh cho cinnteach 's a bha I,asarus fhein. Cha luaithe chual e gu robh Criosd anns a' bhaile na rinn e suipeir deas, chum urram a thoirt dha. Bha fios aig Simon gu'm bu mhaith le Muire, 's le Marta, 's le Lasarus a bhi lathair, 's chuir e fios orrasan mar an ceudna. Aig an tsuipeir bha Marta mar bha i riamh 'na fuil 's na fallus a' frithealadh. B'e sin a gne, 's ged a bhitear a' faotainn coire dhi airson a driop, bu shuarach an fhailing e. Bha i 'na deagh bhean-tighe, agus is e leithid Marta a bh' aig an duine ghlic 's an t-sealladh an uair a thuirt e :

Bheir i an aire do shlighibh a teaghlaich; agus cha 'n' ith i aran an diomhanais.

Fosgailidh i a glac do'n truaghan ; agus shiidh i a lanihan do'n fheumach.

Aithnichear anns na geataihh a fear, an uair a shuidkeas e ?nailie ri seanairibh na tire.

Eiridh a clann agus beannaichidh iad i; a fear, agus nwlaidh e i.

Cha d' f hosgail Lasarus a' bheul fad na h- oidhche ; co dhiu, cha 'n 'eil a haon de na tri soisgeulaichean ag radh gu'n d' fhosgail. Tha cuid a dhaoin' ann a b' fheairrd ionnsachadh a bhi corr' uair 'nan tosd. Ach cha b' ann dhiu sin Lasarus. Bha eolas aig' air nithean air a bheil daoin' ag iarraidh soluis o thoiseach an t-saoghail gus an latha diugli ; ach ma bha, chum e sin air fhein. Bha e tri laithean air taobh thall na h-uagha ; ach cha d' innis e riamh do dhuin' eile gu de chunnaic, no chuala, no dh' fhairich e.

Cha'n e Simon, no Marta, no Lasarus a tha tarruing ar n-aire anns an eachdraidh so ach Criosd is Muire. Tha mi 'n duil nach robh neach eile riamh aig an robh gaol cho nior air Criosd 's a bh' aig Muire, ach a mhain a mhathair. Dh' eirich i o'n bhord, ghabh i 'na laimh am bocsa alabastair, agus air dhi a bhriseadh, dh' iing i cheann 's a chasan leis an oladh luachmhor. Bha i coma gu de shaoileadh each dhi. Bha cridhe cur thairis le gradh do Chriosd, 's ghabh i an doigh so air a faireach- duinn a nochdadh dha. Faodaidh e bhith gur h-ann chum corp Lasaruis iingadh an deigh a bhais a cheannaich i fhein 's a piuthar an ola; 's ma tha sin fior, cha robh ioghnadh sam bith ged a dhoirt i an tabhartas buidheachais so air ceann an ti a ghabh truas rithe na h-eigin, 's a thug a brathair air ais o'n bhas.

Tha Mata is Marc ag radh gu robh fearg air na deisciobuil 'nuair a chunnaic iad an rud a rinn i, 's gu'n d' thuirt iad Dh'fhaodadh an oladh so a bhi air a reic air mhoraii, 's air a ioirt do na bochdan. Tha 'n Abstol Eoin ag radh gur h-e ludas a mhain a rinn gearan ; 's los buille thoirt do chompanach nach bu toigh leis, tha e cur as leth ludais nach ann air ghaol nam bochd a rinn e gearan, ach a chionn gu'm bu ghaduiche e. Faodaidh gu robh an aon smuain an cridhe nan deisciobul uile, ach gur h-e ludas a mhain

a labhair. Ach cha do ghabh Criosd roimhe, 's cha leigeadh e leo coire fhaotainn do Mhuire. Carson a tha sibh a' cur dragha oirre? ars' esan. Leigibh leaiha, oir rinn i deagh obair dhomhsa.

I. Ghabh Criosd taobh Muire a chionn gu'n do thuig e gur he 'n gaol a bh' aic' air fhein a thug oirre an rud a rinn i a dheanamh. Nan d' fheoraich i dheth an toiseach, co a b' fhearr leis a cheann ungadh leis an oladh, no an oladh bhi air a reic airson nam bochd; faodaidh sinn a bhi cinnteach gur h-e dh'abradh e; coma leat mise, reic an oladh, 's thoir biadh do na daoin' acrach. Ach cha do chuir Muire a comhairle ris, 's cha d' iarr i cead. Bha 'n rud deanta m'am b' urrainn e bruidhinn no stad a chur oirre, ach cha leigeadh e le each a diteadh. 'Na aite sin, is ann a chronaich e na feadhainn a bha cur buille oirre, tha na hochdan agaibh daoTuian, ach cha bhi mis' agaibh daotitiati. Mar gu'n abradh e, Ma tha uiread iomaguin oirbh mu chor nam bochd, cha bhi cion cothroim oirbh 'na dheigh so air 'ur caoimhneas a dhearbh- adh dhaibh ; ach air mo shon-sa, cha 'n fliada bhios mi maiile ribh tuilleadh. Ged a theireadh ludas nach robh ann an gniomh Muire ach daor chion mothaich, bu leir do Chriosd an gradh a bha 'na cridhe, 's air reir a graidh thug e breith oirre. Bha'n latha tigh'nn dluth anns am biodh esan aonaranach gu leor, anns an tionndadh eadhoin a chompanaich an cul ris, ach ann a bhi 'g ullachadh a chridh' airson la na doruinn sin, bha e 'na chuideachadh 's 'na ghairdeachas dha fhaicinn gu robh feadhainn d'a chairdean, mar bha Muire, aig an robh gaol air nach gabhadh innseadh. Bha fios aige gu robh h-aon d'a chompanaich a bha gus a bhrath, 's cha 'n 'eil teagamh nach robh 'n t-eolas sin 'na chudihrom air a chridhe, ach dhi-chuimhnicheadh e ludas, CO dhiu beagan iiine, 'nuair thachair dil- seachd is gradh cho tnor air 's a nochd Muire dha. Ged nach robh fios aice se air, bha fios aig Criosd gur h-e so an cothrom mu dheireadh a gheibheadh i urram a dheanadh dha, agus thuirt e 'm facal is a?i)i fa chomhair ni adhlaic a rinn i e, facal nach do thuig i aig an am, ach facal a thigeadh gu 'cuimhne 'na dheigh so. i\gus faodaidh sinn a bhi cinnteach gu robh e 'aa aobhar toileachaidh dhith, 'nuair a chual i gu'n deach a cheusadh, gu'n do leig i ris dha an oidhch' ud meud a graidh. Nach iomadh a h-aon a bheireadh na th'aca de'n t-saoghal, nan rachadh ac' air an fhacal a bu choir dhaibh a labhairt 'na am, a labhairt a nis ris a' charaid, no ris a' mhnaoi, no ris a' phiuihair a chaill iad. Bha gradh 'nan cridhe ged bha gruaim air an aodann, ach bha iad 'nan tosd, leig iad seachad an cothrom, 's cha 'n fhaigh iad e gu brath tuilleadh. Cha d' fhan Muire gus an d' fheoraich Criosd dhi mar dh' fheoraich e do Pheadar

a's aig

An toigh leat mi, ach gun guth a radh no cead iarraidh dhoirt i an oladh air a cheann, 's thiormaich i a chasan le 'fait. Mar gu'n abradh i :

Ged a bu learn air '/had an saogh'/, Bu thiodhlac e gu tur i-o chrion ; Bu neo ni.iruagh mar dhiol d'a ghaoi, Mo bheatha, m' anam, is gacli sion.

II. Cha do chaill na bochdan air gniomh Muire. Ged bha uiread curaim air ludas umpa, CO dhiu le theangaidh, tha mi 'n duil gu robh fios aig a h-uile diol-deirce am Betani gu faigheadh iad an tiulleadh caoimhneis aig dorus Muire no gheibheadh iad o ludas. Cha b' e sin cobhair nan geas. Is e leithidean Muire a bha riamh 'nan deagh chairdean do na bochdan. Ged a bhios an saoghal a' cur sios air Criosduidhean, 's ag radh nach 'eil ach gle bheag de spiorad am Maighstir air an giulan, tha fios aig na bochdan gle mhaith gu faigh iad caorahalachd o Criosduidhean nach faigh iad o'n t-saoghal. Ma dh' fhaighnichear co iad na cairdean fhearr aig banntraichean is dilleachdain, iruaghain is eireablaich na duthcha, is e am freagradh na Criosduidhean. Tha gradh Chriosd 'g an co-eigneachadh, 's tha iad a' dol a mach do shraidean 's do chiil-shraidean nam bailtean mora, air turusan trocair. Tha e iomchuidh gu'n deanadh iad sin. Tha e ni's beannaichte ni a thabhairt no ghabhail. B'e sin spiorad Chriosd. Cha do ghleidh esan a shaoibhreas

: thug e seachad na bh' aige, 's mu thug e seachad anam an eiric a Tha e 'na dheagh chomharadh suim duine do na bochdan. Mur 'eil, cha 'n 'eil ann ach creid.Tiheach crubach : tha e eu-cohach r'a Mhaighstir. Is e losa da rireadh caraid nam bochd agus bu choir d'a dheisciobuil a bhi fialaidh ri truaghain. 'Nuair a bliios cridhe duine air a lionadh le gradh Chriosd, cha chiim e sporran dfiinte. Mur 'eil truas 'nar cridhe, cha 'n 'eil pairt againn annsan a thuirt Is beannaichte iadsan a tha trocaireach.

III. Is airidh Criosd air a' ghradh 's air an urram a's motha. Rinn Muire na b' uirainn dhi, ach cha do rinn i tuilleadh 's a choir. Tha sinne 'ga ghradhachadh-san, a chionn gu'n do ghradhaich esan sinne ' n toiseach. Tha sinn na 'eiseimeil cho mor, 's ged a dhoirteamaid ar saoibhreas uil' aig a chasan, cha phaigheadh sin ar fiachan. Tha Dia a' moladh a ghraidh dhuinne, do bhrigh 'nuair bha sinn fhathast 'nar peacaich gu'n do bhasaich Criosd air ar son. Am b' urrainn gradh dol ni b' fhaide 2 An urrainn iobairt bhuidheachais air bith a bhi ro-luach- mhor? Bha teang' a' bhaird aig Daibhidh, ach tha Daibhidh ag radh gu bheil cainnt a' teirgsinn air, gach uair a bheachd-smuainicheas e air gradh is trocair Dhe. Mac Dhe a ghradhaich

dha fhein dheireadh, shluaigh. a bhi aig

13

I

I

i

mi's a thug e fein air mo shon. Nan ruigeadh duin' air brigh nam briathran so 'nan lanachd, thuiteadh e air an lar, oir cha seasadli a chridhe ris a' ghloir a chitheadh e. Aig la am bais cha bhi a dh' aithreachas orrasan a thug moran do losa, 's a dh' fhuiling moran air sgath ainme, ach nach d' thug iad an tuilleadh, 's nach d' fhuiling iad an corr. Le aon ghuth 's le aon chridhe tha coisir chiuil nan naomh a' seinn Is airidh thusa, a Thighearna, air gloir agus urram agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal.

Pailteas is meud saor mhaitheas Z)he,

Cha 'n aithris beul no peann ;

Gradh los', ar Sla?iitighear, ciod e,

Cha aithne ach d'a ch/oitm.

NA SEANN LAITHEAN.

Cha 'n 'eil bliadhna del seachad gun leabhar a bhi air a sgriobhadh mu chor na duthcha 's na h-eaglais anns na laithean a dh' f halbh. Tha moran dhaoin'an duil gu robh na seann laithean na b' fhearr no 'n latha diugh. Ach nan leugh- adh iad leabhraichean Seisein is Cleire, tha sinn an amharus gu'n atharraicheadh iad beachd. Mur h-eil rud eile ri ionnsachadh o na sgriobh- eachan sin, tha iad, co dhiu, a leigeil fhaicinn dhuinn an t-atharrachadh mor a thainig air cor na h-eaglais 's air cleachdannan an t-sluaigh. 'Nuair a chruinnicheas Seiseinean is Cleirean an diugh, cha chluinnear iomradh air na ceistean (iomadh uair gle fhaoin) a bha cur dragh air na seanairean anns na laithean a dh'fhalbh, oir chaidh na seann nithean seacliad is rinneadh na h-uile nithe nuadh.

Cha 'n ' eil cearn de'n duthaich anns a bheil Sacramaid Suipeir an Tighearna air a frithealadh le barrachd urraim is soluimteachd no anns a' Ghaidhealtachd. Ach bha la eile ann. Cha 'n e mhaki gu'm biodh an oigridh a' dol o sgireachd gu sgireachd aig am comanachaidh, cha 'n ann air ghaol fireantachd no le cridhe briste, bruite, ach air ghaol leannanachd is oil is faoineis ; ach bu bhitheanta le ministearan is foirbhich fhein dearmad a dheanamh air an ordugh naomh. Ann an 1650 cheasnaich Cleir lonar- pheotharain ministear Loch-braon mu chor na sgireachd, agus b' eigin dha aideachadh nach robh comanachadh aige o chionn sheachd bliadhna An Gleann Urchadain cha do ghleldheadh comanachadh o shuidheachadh Maighstir Uonnachadh Mac CuUoch an 1647 gus an d' fhag e 'n sgireachd ann an 1671 ceithir bliadhna fichead. Bha iomadh ait' eile a cheart cho dona. B'e cuid de na lethsgeulan nach robh soithichean freagarrach aca airson fiona, gu robh na h-amannan buaireasach, nach robh an treud cho coimhlionta an eolas na

firinn no cho stolda 'nan giulan 's gu 'm biodh buannachd dhaibh anns an t-sacramaid, no gu robh uiread a nithean eile aig a' mhinisteir 's aig na foirbhich ri dheanamh 's nach robh cothrom ceart aca air comanachadh a ghleldheadh.

Cha 'n 'eil ioghnadh ged nach robh. Ma bha iad car dearmadach air orduighean an Tiomnaidh Nuaidh a choimhead, cha 'n urrainnear a chur as an leth gu robh iad dearmadach air eucoraich a thoirt air am beulaobh. Faodaidh gu'n do rinn so maith, ach rinn e cron cuideac'nd. Cha b' ann gun aobhar a bha eagal Seisein is Cleire air fir is mnathan is clann anns na laithean ud, oir bhatar a' sealltuinn as an deigh cho geur 's cho teann 's a bha na saighdearan dearga 'sealltuinn as deigh nan reubalach an am Chuil- fhodair. Nan cluinnte sgonn-bhalach a' tilgeadh ainisg, no 'g radh "buidseach" ri baobh chrosda, bha e fhein 's a' chailleach air an tarruing air beulaobh an t-seisein. Nam beirte air ceann teaghlaich a' tighinn a raach a tigh leanna is sogan drama air, dh'fhaodadh e e fhein a chunntas fortanach mur biodh aige ri cuirt seisein a sheasamh. Dh' fheumadh duine bhi anabarrach curamach air latha na Sabaid, air neo bhiodh am foirbheach air a shall. Cha 'n fhaodadh e fantuinn as an Eagiais gun lethsgeul maith, 's bha e air a radh gu'm biodh feadhainn a' leigeil orra bhi tinn feuch am faigheadh iad cadal fada air latha na Sabaid. Ann an 1699 bha bean a mhuinntir Lathurna air mhuinntireas am Bodhta far an do thogadh tuaileas oirre gu'm biodh i a bleith snaoisean air an t-Sabaid. Thugadh air beulaobh an t-seisein i, ach bhbidich i gu'm bu bhreug an rud a bhatar a' cur oirre. Cha ghabhadh fianuis fhaotainn 'na h-aghaidh 's leigeadh as i ; ach do brigh 's gu'm bu choigreach i, dh' iarr an seisein oirre teisteanas fhaotainn a Lathurna air neo gu feumadh i Bodht' fhagail. Saoilidh sinn gu'm bu lagh cruaidh e, ach tha e coliach gu faca Seiseinean an la ud iomchuidh, gun gabhail ri coigreach sam bith a thigeadh do 'n sgireachd mur biodh teisteana.i aig' o'n sgireachd as an d' thainig e. Bha e 'na chleachdadh aig a h-uile b.iile is sgireachd na seotachan 's na h-eucoraich a thilgeadh a mach, 's leis an lagh ud, bha 'n dara sgireachd a' feuchainn ri i fhein a dhion o mheirlich 's o eucoraich sgireachd eile. Ann an 1749 rinn seisein Chinn-a-Ghidbhsaich gearan cruaidh gu robh coigrich anns a' bhaile a fhuair gabhail riutha gun teisteanas ; agus air do na foirbhich an cinn a chur ri cheile, dh' iarr iad air an t siorram sealltuinn as deigh nan daoine sin, agus thug iad rabhadh do mhuinntir a' bhaile gu'n rachadh cain a chur air ceann teaghlaich air bith a bheireadh do dh' fhear siubhail tuilleadh is cuid oidhche. Cha 'n 'eil teagamh nach bu deagh lagh e ann an aon dolgb, ged nach 'eil e furasd fhaicinn ciamar a b' urrainn

cuid de na daoine truagha so teisteanas f haotainn gu bratli. Cha robh orra ach " bual thall e 's coinnich a bhos e," 's gu deireadh an latha cha bhiodh iad ach eadar a' bhaobh 's a' bhuarach.

Ach ma bha na laghanan cruaidh, cha robh 'n t-Sabaid air a gleidheadh, 's cha do lughdaich eagal na Cleire peacadh. Bha da ni gu sonruichte air an robh 'n Eaglais anabarrach trom, agus b'e sin bainnsean-cuideachaidh agus caithris nam marbh ; ach a dh' aindeoin mhinis- tearan is fhoirbheach chaidh an t-61, 's an ceol, 's an dannsadh air an aghaidh aig na comhailean sin mar bha iad riamh. Co dhiu a bha Chleir ceart no cearr ann a bhi toirmeasg ceol is aighear is gleadhraich nam bainnsean, bha e Ian fhreagarrach nach biodh faoineis de 'n t-seorsa sin air a cheadacliadh ann an tigh a' mhairbh. Tha e duilich a thuigsinn ciamar a leigeadh tur nadurra is faireachduinnean caomhal an cridhe le daoine, baoth shugradh a dheanamh ann an tigh a' bhroin. Ach is ann mar sin a thachair. Fad na seachduinn a bha 'n corp air a ghleidh- eadh a stigh, cha robh stad a' dol air itheadh is ol, 's air a' mheadhon oidhche ann an seomar a' bhais chluinnte ceol na fidhle is lachanaich na h-oigridh. An 165 1 chosg faire Dhomhuill Chaimbeil, Airdnamurchan, naoi fichead 's a naoi punnd Albannach. Am measg na coisgeis bha :—

Da ghallan dheug is da fhichead kanna,

Citig ghallain gu leth uisge bheatha,

Ochd vmillt is mart,

Da chloich chaise,

Da plieic shalainn is punnd gii leth fomhaca.

Bu bhitheanta le daoine bainnsean is adhlaicean a dheanamh air an t-Sabaid, 's bha cuid de na ministearan nach biodh idir diumbach na dleasdanasan sin a dheanamh an deigh an t- searmoin, ach chuir na Cleirean casg air an drochd chleachdadh, 's thug iad rabhadh do na braithrean nan tugadh iad gnuis do bhainnsean air an t-Sabaid gu'n sealladh a' Chleir as an deigh. Bha aoibhneas nam foirbheach Ian an uair a rachadh aca air buidseach a chur ann an ciiil chumhainn. Bha 'n t-am dorcha, 's bha eadhoin daoine foghluimte creidsinn ann an giosragan is orrachan is ubagan is droch shiiil. Ma bha cai!leach,grannda, luasganach'nasuil no sgaiteach le teangaidh, bu leor sin gu ainm baoibh a chur dhi. Mur deanadh am bainne im, mur beireadh na cearcan uidhean, ma thigeadh greim air each no duine leigteadh amharus air caillich bhochd air chor-eigin, 's rachadh a tarruing air beulaobh an t-seisein mar dhroch sgealb a bh'ann an co- bheinn ri Satan. Dh' fheumadh am ministear 's na foirbhich air uairean latha 'n deigh latha chur seachad a' ceasnachadh na caillich, 's a' ceasnach- adh choimhearsnach, feuch an tugadh iad air a' chreulair thrua^h a cionnt aideachadh. Cha'n'eil

ioghnadh ged a thoisich cuid a chailleachan air creidsinn gu robh cumhachdan neo-Chriosdail aca nach robh aig daoin' eile, 'nuair a bha Chleir fhein a' gabhail a' ghnothuich an da-rireadh. B' ann an 1727 a chaidh an te mu dheireadh a chur gu bas an Albainn airson buidseachais. Thug Siorram Chataoibh a mach a binn, 's loisgeadh i ann am baraile tearradh an Dornoch.

Cha robh gearan a dheante ris an t-seisein nach rannsaicheadh iad. Ma rinn duine droch mhionn, no ma labhair e facal taireil mu phears' eaglais, ma ghabh e daorach no ma bha amharus meirle air, dh' fheumadh e cuirt a sheasamh, 's an dara cuid cain a phaiglieadh no dol 's a bhrangus. Ach ged a bheireadh an seisein daoin' air am beulaobh air son gach seorsa uile, tha e furasd fhaicinn o na seann leabhraichean gur h-e an t-seachdamh aithne an te a bu bhith- eanta bh' air a bristeadh. Bha 'm peanas am bitheantas air reir inbh' an duin'a thuslaich. Ma bha e 'na fhear fearainn no 'na thuathanach cothromach, theagamh nach deant' ach cain a chur air, 's nach maoidht' am brangus idir air; ach mur robh ann ach treabhaiche no taillear no griasaiche aig nach robh bheag de'n t-saoghal, dh' fheumadh e seasamh an lathair a' choimh- thi'onal uair no dha mar chitheadh na seanairean ionicliuidh. Ma bha fior dhroch elm aige, ma dh' fhaoite gu feumadh e seasamh a h-uile Sabaid fad raidhe. Bha e air a ladh gu faodadh duine suidhe an aite seasamh, am feadh 's a bhiodh am ministear a' toirt dha ruith de 'n teangaidh, nan tugadh e coig bolla mine do na bochdan. Cha robh bord nam bochd ann aig an am, ■'s cha robh beothlainn eil' aig na bochdan, ach caoimhneas an coirahearsnach is deirce na h-eaglais. Bha 'n seisein a' cur na cain a gheibheadh iad o na ciontaich am bocsa nam bochd. Mar bu lionmhoire na peacaich is ann bu reamhra na bochdan, 's tha e air innseadh gu'n cualas bodach cam a' tilgeadh an fhacail thar a ghuailne, 'nuair bha e fagail sgireachd shonruichte Marbkaisg air 71a h- ionracain,.cha 'n 'eil a bhi beo aig truaghain 'nam measg.

LAOIDH.

' Griis an Tighearn losa Crlosd, agus gradh Dhe, agus comh-chonninnan Spioraid Naoimh gun robh maille riiibh uile.'

Tearnadh oirnn a nis a Flaitheas,

Gras ar Triath 's ar Slan'gheir chaoimh ;

Gradh an Athar mh6ir 's a mhaitheas ; 'S deagh-ghean grinn an Spioraid Naoimh.

Chum gun teid ri cheil' ar n-aonadh, 'S ri ar Triath, le ceangal graidh.

Is gum mealar leinn, gun chaomhnadh, Sith is aobhachd Tir-an-aigh. Amen.

I

Air 3.

1909.

SIMEON.

Bha duine ann an lerusalem d'ani b'ainm Simeon ; agus bha'n duine so ionraic agus diadhaidh agus bha duil aige ri s61as Israeli. LucAS ii, 25.

'NuAiR a bha 'n leanabh losa sia seachduinean a clh' aois, thugadh e do'n teampull chum a thaisbeanadh do'n Tighearn a reir an lagha. Air a' cheart latha thainig duine d' am b' ainm Simeon do'n teampull, le treorachadh an spior- aid ; agus air dha an leanabh naomh fhaicinn, ghlac e 'na uchd e agus bheannaich e Dia agus thubhairt e : A nis, a Thighearn, tha tlm leigeadh le d' sheir-

bhiseach siubhal an sith, a reir f fhacail ; Oir chiinnaic mo shiiilean do shlainte, A dh' tillaich thu roimh ghniiis 7ian idle shluagh ; Solus a shoillseachadh nan Ctnneach, Agus gloir do phobuill Israeli.

Co e Simeon so, cha'n urrainnear a radh. Cha 'n 'eil na soisgeulaichean ag innseadh. Mur b' e gu'n do sheas e dliith do Chriosd an la ud bhiodh 'ainm is 'obair air an dichuimhneachadh gu tur, ach a chionn gu'n do sheas e aon mhion- aid ann an solus na Greine, bidh cuimhn' air ainm gu brath. Ged tha Simeon marbh, tha e fhathast a' labhairt, 's tha 'n laoidh mholaidh a rinn e 'na h-aran beatha do chuideachd do- aireamh a naoimh.

Aig teachd Chriosd do'n t-saoghal bha diadh- aidheachd gu maith iosal ; dh' fhalbh na faidhean a bha cumail creidimh is fireantachd beo, 's nuair a dh' fhalbh iadsan chomhdaich tiugh dhorchadas am pobuU. Ann an nithean aimsireil cha robh ceann-iuil aig an t-sluagh a b' fhearr no Herod, 's ann an nithean spioradail cha robh aodhairean ac' a b'fhearr no na sgriobh- aichean 's na Pharasaich. Ged a bha 'n sluagh a' dol suas mar a b' abhaist do'n teampull air laithean feille, 's a' dol do na sionagogan a dh' eisdeachd an lagha, bha iad a' deanamh sin mar chleachdadh, 's cha robh 'n cridheachan an geall air Dia no fireantachd. Bha iad a' gabhail suaimhneis ann an Sion, bha iad toilichte le coltas na diadhaidheach gun a tairbhe, 's air son dochas ris a' Mhessiah a bh' air a gheall- tuinn le Dia, chaill a' mhor-chuideachd do'n t-sluagh an dochas uile gu leir. Ach bha Ibchran a' chreidimh air a chumail beo an sid 's an so, 's am measg na marbhantachd a thainig air

beatha spioradail na duthcha bha beagan dhaoine nach do chaill an dochas ri Messiah, 's a bha la 's a dh' oidhche deanamh seirbhis do Dhia le trasgadh'sle h-urnuigh. B'ann dhiu sin Simeon, duine naomh d'an robh e air fhoillseachadh leis an Spiorad nach faigheadh e bas gus am faiceadh e Criosd an Tighearn. Chreid e an gealladh, 's 'na sheann aois fhuair e durachd a chridhe, 's b' urrainn e radh mar thuirt an t-Abstol Eoin gu'n do laimhsich a lamhan Facal na beatha.

Na lamhan so, a ghlac mo Righ Na glacadh ni 'na dheigh 'S na suilean so a chunnaic Criosd Na faiceadh ni fo 'n ghrein.

I. Ciamar a dh' aithnich Simeon gu'm b'6 an leanabh am Messiah? Chaidh iomadh bliadhna seachad m'an d'aithnich daoin' eil' e, ach cha luaithe chunnaic an duine naomh so losa an uchd a mhathar no chreid e gu robh solas Israeli air teachd. Their cuid gu robh cearcall soluis mu'n cuiart air ceann an leinibh mar a chitear mu cheann nan naomh ann an dealbhan, 's their cuid eile gu'n d'innis Muire dha roimh laimh an diomhaireachd a labhair aingeal an Tighearn rithe. Cha 'n fhios duinn, oir cha 'n 'eil an Sgriobtur ag radh dad mu'n chuis. Tha Lucas ag innseadh dhuinn gu robh Simeon fo threorachadh an Spioraid anns an teampull, 's nach faod sinn a radh, ged nach d' thainig an Spioraid Naomh 'na lanachd aig an am ud, gu'n d' thug Dia earlais dheth roimh laimh do'n duine naomh so leis an d' fhuair e aon sealladh air gloir Chriosd. Is e obair an spioraid gabhail de nithean Chriosd agus an nochdadh dhuinne, agus faodaidh e bhi gu'n do ghabh an Spiorad de nithean Chriosd an la ud, 's gu'n do nochd e iad do Shimeon mam faca suil eil' iad. Co dhiu, dh' eirich e gu airde creidimh is dearbhachd nach do rainig eadhoin loseph no Muire, oir tha sinn a' leughadh gu'n do chuir na nithean a labhair e mu'n leanabh ioghnadh orra. Anns na nithean a bhuineas do'n t-saoghal spioradail, tha suil gheir aig na naoimh agus is leir dhaibh nithean nach faic daoin' eile. Cha 'n fhac' a' mhor-chuideachd aig abhainn lordain rud sonruichte air bith an losa, ach chunnaic suilean a' Bhaistich a' ghloir a bh' air a folach uapa san agus ghlaodh e ri Eoin 's ri each Feuch Van De.

II. Cha do chaill Simeon a dhochas ris a'

Mhessiah oir chreid e gealladh Dhe. Bha iomadh aon d'a cho-aoisean a' feitheamh ri teachd an t- Slanuigheir cho durachdach ris-san, ach 'nuair bha na bliadhnachan a' dol seachad 's an dor- chadas a' fas ni bu tiugha gun fuaim a theachd a chluinntinn, chaill iad an dochas 's thuit iad an diobhail misnich. Cha b'e sin do Shimeon ; ged a thanaich an aois a chiabhan, cha do luidh aois air a spiorad, 's cha do chaill e 'dhuil ri solas Israeli. An uair a chailleas duin' a dhochas 's a mhisneach, is seann duin' e ged nach biodh roinneag liath 'na cheann. Tha neart tia h-oigridh a co-sheasamh ann am meud an dochais. Biodh cuisean cho searbh 'sa dh' fhaodas iad, thig iad beo an dochas ro-mhaith gu'm bi iad ni's fhearr am maireach. An uair a thoisicheas duin' air a dhochas a chall, 's air a bhi cuimhneachadh na laithean a dh' fhalbh tha 'n aois a' luidh air, 's tha 'obair uUamh. Ach an drasd 's a rithist tachraidh oirnn daoin' a tha cho ogail 'nan spiorad aig ceithir fichead bhadh- na, 's a bha iad aig bliadhn' ar fhichead. Cha'n 'eil ioghnadh ged a biodh clann an t-saoghail 'nan seann daoine roimh 'n am, oir tha iad mar phreas seargta 'san ionad sgaoilte 's ag aiteach- adh ionada loisgte an fhasaich. Ach cha bu chor gu'n luidheadh an aois gu trom air clann na rioghachd, oir tha iad mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoil- eas a mach a freumhan ri taobh an t-srutha 's nach mothaich c'uin a thig an tart ; ach aig am bi a duilleach uaine 's ni mo a sguireas i thoirt seachad toraidh. Am measg grasan na beatha spioradail tha 'n t-Abstol Pol ag ainmeachadh dochais cho mhaith ri gradh is creidimh. Tha creidimh is dochas mar dha phiuthair nach dealaich ri cheile : far am bi 'n dara h-aon, bidh an t-aon eile. Chreid Simeon facal Dhe, 's cha do chaill e a dhochas, ged a bha each a' toirt suas dull ris a' Mhessiah gu buileach. Bha gealladh Dhe dha 'n urras anns nach b' urrainn e teagamh a chur. Leis a' ghealladh sin mar lorg 's mar thaic, ghluaiseadh e eadhoinn anns an dorchadas gun fhiamh, gun eagal. Cha do chaill e fhoighidinn. Bha fhios aige gu bheil mile bliadhn' ann an sealladh Dhe mar aon latha. Moch is anmoch ghairmeadh e air 'anam Cuir dochas daingean ann an Dia.

III. Fhuair Simeon tuilleadh 's a bha fiuthair aige ris. Tha e air innseadh am beul aithris nan ludhach gu robh Simeon aon latha a' leughadh leabhar Isaiah, 's gu'n d' amais an rann air, Feuch, bidh high torrach agus beiridh i mac agus bheir i Imnianiiel mar ainm air. Is. vii, 14.. Air dha an leabhar a dhunadh 's inntinn a thoirt thairis gu beachd-smuaineachadh air an fhacal, thainig aingeal 'ga ionnsuidh a dh' innis dha gu faiceadh a shuilean Mac na h-oigh ma'm fagadh 'n saoghal.

An gealladh s61asach so, dh' fheith.

An naomh, o la gu la.

Is cha do mhealladh e 'na dhiiil,

Choimhlionadh chilis 'na trath. Cha 'n e mhain gu fac' a shuil, ach laimhsich a lamhan an leanabh naomh ; fhuair e urram nach d' fhuair eadhoin an t-Abstol Eoin, oir ghlac e 'na ghairdeanan Righ na Gloire. Lion Dia a chupan gus an do chuir e thairis. Choimhlion e an gealladh gu saoibhir. Tha Dia a deanamh sin daonnan, oir tha lamh fialaidh 's a chridhe farsuing. Cha'n e mhain gu'n toir e gras ach bheir e gras am pailteas. Ann a bhi toirt maitheanais, bheir e maitheanas gu pailt ; ann a bhi coimhlionadh a gheallaidh bheir e tuilleadh 's a gheall e. Is e iadsan aig nach 'eil aithn' air caoimhneas Dhe a their gur Maighstir cruaidh e. Bidh Satan a' feuchainn ri daoin' a mhealladh le geallaidhean boidheach, ach aig deireadh an latha gheibh iad a mach nach 'eil aig' ach gealltanas maith is droch phaigheadh. Geallaidh e mil 's bheir e dhaibh domblas. Ach cha 'n ann mar sin a bhios iadsan a chreideas Dia, oir cha 'n fhaca suil, agus cha chualacluas, agus cha d' thainig ann an cridhe duine, na nithe a dh' ulluich Dia dhaibhsan aig am bheil gradh dha.

IV. Shiubhal Simeon an sith. Cha robh eagal air an saoghal fhagail 's cha mho bha duilichinn air, oir chunnaic a shuilean slainte Dhe 's rinn a chridhe gairdeachas. Faodaidh na naoimh failt a chur air a' bhas oir tha e dhaibh 'na charaid. Is buannachd dhaibh falbh gu bhi maille ri Criosd. Tha iad a' dol an coinneamh fear an graidh. Tha fios aca co ann a chreid iad 's tha dearbhachd aca gu'n coimhead e na dh' earb iad ris. Tha saoibhreas nan creidmheach air neamh 's far am bi saoibhreas duine, bidh a chridhe. Thig am bas gu sean is 5g. Tha iomadh rud nach aithne dhuinn, ach tha sinn cinnteach as a sin. Ged nach 'eil e ma dh' fhaoite ceart a bhi smuaineachadh tuilleadh 'sa choir air a' bhas, cha mh6 tha e ceart a dhichuimhneachadh. Air cho faoin, 's cho michuramach mu nithean an anma 's gu'm bi daoine, bu mhaith leo uile basachadh an sith. Iadsan a dh' iarras an Tighearna, a ghradh- aicheas a lagh, 's a ghabhas ris an t-slainte a tha e tairgsinn ann an Criosd, bith neart is sith aca 'nam beatha agus sith is solus aig uair am bais. Amhairc air an duin' ionraic, Oir is sith is crioch do'n duine sin.

CUAIRT A' MHINISTEIR GHALLDA.

[Bha so air a sgriobhadh leis an Ollamh Tormoid Mac Leoid nach maireann, ris an abairte Caraid nan Gaidheal.]

Smaointich mi 'n diugh gu 'n gabhainn ceum a nunn thun na ceardach, a dh'fhaicinn duine

■f

n

■■j

i

.■.ft

-dj

E

1

bochd euslainteach a bha 's a' choimhearsnachd sin. Cha b' fhada chaidh mi air m' aghaidh 'nuair a choinnich duine mi air an robh mi mion- eolach, a bha fo dheadh theist 's an sgireachd ; thill e ceum leam a reir cleachdadh na duthcha. Bha mi siubhal tre ghleann boidheach, tiorail, far an robh frith-choille challtuinn agus bheithe, alltan beag a' ruith 'na lubaibh troimhe, ro chosmhuil gu leir ri tir m' oige.

Nach aillidh, ars' esan, a mhinisteir, an la so f hein a thoirt a mach feoir agus fochainn ; nach boidheach an gleann so.

Tha e da rireadh mar sin, fhreagair mi ; is fad' o nach cuala mi ceileireadh nan eun air feadh nan geug cho binn ceolmhor. .

Is beag so dheth, ars' esan, seach mar tha iad shuas am braigh' a' ghlinne, far am bheil mis' a chomhnuidh. Tha iad an impis mo bhodhradh gach maduinn le 'n ceol.

Tha iadsan, thuirt mi ris, a' freagradh crioch araidh an cruthachaidh ; b' fhearr gu 'n robh sinn uile cho cuimhneach air ar co-sheirm thaingealachd a thogail 's a tha iadsan. Is iomadh aon air an d' eirich grian an latha diugh d' an d' thug Dia tuigs' agus eolas nach d'fhosgail am beul chum a mholadh ; thoir thusa fainear, Iain, nach ann diubh sin thusa. 'Nuair a dh'fheoraich mi dhiot ciamar a bha do bhean 's do theaghlach, fhreagair thu Taing do Dhia, tha iad gun dith gun deireas. Innis dhomh an fhirinn, an d'thug thu taing agus an d' rinn thu urnuigh an diugh. Cha'n'eil mi feoraich an dubhairt thu, 'nuair bha thu 'g eiridh Dia bhi maille rium no facal eile mar sin air 'aithris an caoin shuarachas. Ach tha mi 'feoraich an d' rinn thu urnuigh gu stblda, socrach, maille ri d' theaghlach, le fiamh diadhaidh air t-anam, mothachail air do chainnt, a' toirt fainear co ris .a bha thu labhairt ?

Ma ta, a mhinisteir ghaolaich, ars' Iain, cha'n antromaich mi mo chionta le breug innseadh, tha mi 'g aideachadh nach d' rinn.

Am bheil dull agadsa, Iain, am bheil sin iomchuidh, gun taing a thoirt do Dhia airson curaim agus suaimhneas na h-oidhche, no gun a chaoimhneas 's a shuil-choimhead iarraidh 's an la a tha romhad. Is beag tha fhios agad ciod a thachras dhuit m' an tig an oidhche, no co an lamh a chuireas dhiot an t-aodach a chuir thu fein umad. Cha do thairgeadh taingealachd an diugh o d' fhardaich, agus is ann de throcair an Tighearna nach bi bas-bhualadh ann m' an teid sibh a luidhe. Slan leat, Iain, air an am, mu 'n chuis so bidh barrachd seanchais eadaruinn 's an ath-chbmhdhail.

Dhealaich Iain rium, agus bha e a reir coltais fo iomaguin, gu 'n deonaicheadh am Freasdal 4ha aire 'ghabhail !

Tamull beag an deigh dhomh dealachadh ri

Iain, choinnich duine mi o iomall na sgireachd, a bha ro riaghailteach air tigh'nn do'n eaglais air la na Sabaid. Chuir sinn failt air a cheile; Tha mi ro thoilichte, Eoghain, arsa mise, d' f haicinn a' tigh'nn cho trie do 'n eaglais, thu fein agus do theaghlach, agus mhothaich mi gu bheil am Biobull is Leabhar nan .Salm 'n ur cuideachd gach la, cleachdadh a tha ciatach.

Ma ta, thubhairt e, tha sin gun teagamh ceart, cha 'n uallach do dhuine sam bith am Biobull a ghiulan. Tha aon aig gach duine de 'm theaghlach, agus cha'n'eil lethsgeul aca gun iad a bhi 'nan cuideachd.

Is mor, arsa mise, am beannachadh am Biobull ; ach innis so dhomh, an cleachdadh leat a bhi 'g a leughadh aig an tigh air son do mhaith fein agus leas do theaghlaich. An do leugh thu earrann dheth an diugh ? No an robh e ann ad laimh o'n a thaisg thu seachad e le d' aodach Domhnaich air feasgar na Sabaid?

Cha'n fhaod mi radh nach 'eil mi anns a' chuis so ciontach, fhreagair e, ach tha mi 'n d6chas gu'n gabhar mo lethsgeul ; tha mi air mo chlaideirt ri obair ghoirt, o mhoch Di-luain gu anmoch Di-sathuirne. 'Nuair thig mi dhachaidh tha mi cho sgith 's gur buidhe leam mo shineadh air an leabaidh, 's cha luaithe thig an t-soilleir- eachd na 's eigin a bhi mach.

Tha sin da-rireadh trom, thubhairt mi ; ach am bheil e ceart dhuit d' inn' uile a bhuileachadh air nithean aimsireil. Cha 'n 'eil thu . mar bu choir dhuit ; nam biodh speis agad do'n Leabhar Naomh agus iomaguin ort mu d' anam, cha b' eagal nach faigheadh tu cothrom air a leughadh. Nan tairginn-sa dhuit air an am litir o charaid fad' air falbh, ag innseadh dhuit mu dhilib luachmhoir a dh' fhagadh agad, 's beag mo churam gu'n abradh tu rium nach robh iiin' agad air a leughadh, no gu'n glasadh tu seachad i gu latha na Sabaid. Thoir fainear, a charaid, gur cunnartach an ni coslas na diadhaidheachd a ghiulan, agus a bhi aineolach air a cumhachd. Is iomadh neach a dhitear airson am Biobull a bhi aca 's gun am feum iomchuidh a dheanamh dheth. Slan leat air an am, agus tha dochas agam an ath uair a chi mi thu 's an eaglais le d' leabhar 'na d' laimh, nach eigin domh amharc ort mar neach a tha deanamh sin a chum gu'm faicear le daoin' e.

Mar a ghabh mi air m' aghaidh rainig mi cnoc boidheach far an d' fhuair mi seann diol deirc' a bhuineadh do'n sgireachd, a' cur a sgios dheth, agus shuidh mi lamh ris.

Am bheil thu beo, Eachuinn, thuirt mi ris.

Ma ta, ars' esan, is sin uil' e ; tha mi fhathast ag oidhirpeachadh mi fhein a thoirt tre'n t- saoghal mar is fearr a dh' fhaodas mi, ach tha mi a fas lag is anfhann, 's cha 'n fhad' is duth dhomh a bhi m' uallach air an duthaich. Tha

mi aois mhor a nis, rugadh mi bliadhn' an Fheachd, an uair a bha na Gaidheil a' feuchainn an righ Papanach a cliurthairis oirnn : cunntaibh fein sin, a mhinisteir.

Tha sin 'g ad dheanamh ceithir fichead bliadhna 's a ceithir. Ciod an nine o 'n a tha thu 'g iarraidh na deirce ?

Tha uaithe sin coig bhadhna fichead, agus is aithne dhuibh fein an eigin a chuir ann mi.

'S aithne, thubliairt mi, ach innis so dhomh, cia 'mheud de'n uine sin a chuir thu seachad ann an iarraidh na deirce spioradail, ann an aslachadh beannachdan spioradail o Dhia.

Dh' amhairc e orm le caileigin a dh' ioghnadh, agus thubhairt e. Gu cinnteach is ro bheag de m'uin' a chosg- mi ag iarraidh nan nithean sin, seach na chuir mi seachad ag iarraidh nithean aimsireil o dhaoine.

Agus ciod an cunntas a's urrainn duit-sa thoirt do Dhia air son thu bhi cho dian durachdach air son loin do d' chorp truaillidh agus cho dearmadach mu easbhuidh d' anma.

Thuirt e gu 'n robh e dichiollach chum uireasbhuidh a riarachadh.

Tha, arsa mise, ach thoir fainear mur 'eil thu cho dichiollach aig cathair nan gras airson maitheanas peacaidh agus comhnadh an Spioraid Naoimh ehum t-uidheamachadh fa choimhair bais is siorruidheachd, tha thu da rireadh a'd dhuine bochd 's a'd chulaidh thruais, a' seasamh air stairsnich a' bliais, ann an cunnart gach la a bhi air do ghairm air falbh. Falbhaidh an oigridh, ach cha'n'eil dol as aig na h-aoismhoir. Ann am bliadhna no dha bidh gu cinnteach dhuit-sa crioch air am uidheamachaidh: iarr uime sin aran na beatha maireannaich.

A Mhinisteir, thubhairt e, thugaibh so leibh, nach d' fhuair mise cothrom a 'm oige ; cha'n'eil sgoil no meomhair agam gu urnuigh fhoghlum. , Stad, stad, arsa mise, ciod an sgoil anns an d' ionnsaich thu an deirce iarraidh. Co a's pongaile dh' innseas 'uireasbhuidh na thu, no chuireas a laigs' is anmhuinneachd mu choinn- eamh gach neach a shaoileas tu a chobh'reas ort ? Co dh' ionnsaich so dhuit ? Ciamar a tha do mheomhair cho maith anns a' chuis so, agus thu fein cho deas chainnteach dian iarratach 'sa tha thu. Nam biodh mothachadh agad air uireasbhuidh d' anma, mar a tha agad air uireasbhuidh do chuirp, cha b' eagal nach deonaichteadh cainnt dhuit. Thogadh tu d' urnuigh mar a rinn Bartimeus a bha 'g iarraidh na deirce ri taobh na slighe losa, mhic Dhaibhidh, dean trocair orm. Falbh air an am ach cuir an oidhche nochd seachad ann am thigh, 's ma dheonaicheas Dia dhomh pilleadh, bidh am barrachd seanchais againn.

DI-HAOINE.

Tha'n sean fhacal ag radh gu bheil Di-haoine 'n aghaidh na seachduin. Cha 'n urrainn sinn a radh ciod a tha 'm facal a ciallachadh. Leis na seann daoine cha robh e air a chunntas sealbhach dol a dh'amharc duine tinn, air son na ceud uaire, air Dihaoine. Nan robh thu 'ga amharc roimhe sin dh' fhaodadh tu dol far an robh e air Di-haoine gun eagal cron a dheanamh; ach mur robh, b' fheair dhuit an tigh a sheach- nadh air an latha sin. Is beag nach robh cho mhaith le muinntir an tighe am bas fhein fhaicinn a tigh'nn a dh' ionnsuidh an doruis. Bha moran dhaoine nach deanadh banais, no reiteach, no baisteadh, no bangaid air Di-haoine, oir bha iad a' creidsinn gu 'n eireadh tubaist air chor-eigin dhaibh. B' aithne dhuinn cailleach a mhuinntir Thiriodh a rachadh air druim dearg a' chuthaich nam feuchadh umpaire balaich ris na h-eireagan aic' a chunntas air Di-haoine. Bha e 'na fhior dhroch guidhe a radh ri duine aireamh na h-aoin' ort. Fhuair an latha droch ainm, ach cha'n'eil fios againn carson, mur h-ann a chionn gu'm b'e Di-haoine an latha air an do cheusadh Criosd, 's gu robh na seann daoin' an duil gu 'n do lean mallachd e 'na lorg sin, 's gu robh cumhachd aig droch spioradan air an la so nach robh aca air laithean eile.

LAOIDHEAN GAIDHLIG— 72.

O Athair Shiorruidh, 'n tearnadh treun, Chuir cuan fo gheill do d'ghairdean fhein, Tha toirt na h-aithne mhoir do "n mhuir, 'S na criochan roimhp' air tiis a chuir, An urnuigh eisd tha 'g eiridh uainn As letH nan uil' tha 'n gabhadh cuain.

O Chriosd a chronaich, is fo fhiamh Luidh onfhadh ard nan stuadh gu fiath, Thusa a dh' imich druim a' chuain, 'S an sarach-mara bha 'nad shuain, An urnuigh eisd tha 'g eiridh uainn As leth nan uil' tha 'n gabhadh cuain.

O Spioraid naoimh, aig tus an t-saogh'l Air bharr na doimhn' do sgiathan sgaoil, A chaisg gach buaireas, borb is stri, 'S a shiolaidh duil gu ciuine 's sith An urnuigh eisd tha 'g eiridh uain As leth nan uil' tha 'n gabhadh cuain.

O Thrianaid bheannaichte nan gr^s Ar braithrean dion 'nan uile chks ; Bho sgeir, bho shion, bho theine, 's namh, Bi' thus' ad thearmunn dhaibh gun tamh Dhuit eiridh 'n sin, o mhuir 's o thir, Ard laoidhean-molaidh ait gu sior.

f

1

i

'I

J.

Air, 4.

1909.

AISEIRIGH CHRIOSD.

DK eirich an Tighearna da rireadh. Lucas xxiv. J4.

Air feadh an t-saoghail gu leir aig an am so de'n bhliadhna thacreidmhich a' cumail cuimhn' air aiseirigh Chriosd, 's ann an deich mile teampuU togar am fonn ait,

Dh' eirich Criosd a nios o'n uaigh,

Seinneadh na tha bhos is shuas ;

Seinn a thalaimh, seinn a neimh,

Cuiribh uile 'chliu am meud.

Feuch a nis tha losa be6,

Ghabh e comhnuidh shuas an Glbir ;

Thug a bhas an gath o'n Bhas

'S chain an uaigh a buaidh gu brath.

Cha 'n 'eil ioghnadh ged a dheanadh an Eaglais gairdeachas anns an sgeul aoibhnich so, oir is •e aiseirigh Chriosd steidh a dochais. Faodaidh gu bheil cuidadhaoin' ann a tha creidsinn gu'm maireadh an Creidimh Criosduidh beo ged a dhearbhteadh nach robh anns an aiseirigh ach faoin-sgeul, ach tha sinn an duil gu 'n abair a' mhor-chuideachd mar thuirt Pol Mtir d' eirich Criosd, tha ar creidij7ih diomhain. Tha 'n eag- lais air a steidheachadh air firinn na h-aiseirigh, 's nan do ghleidh an uaigh corp Chriosd cha bhiodh iomradh an diugh air 'ainm. Thug an crann ceusaidh buille-bhais do dhochas 's do mhisneach nan Abstol. Cho fad 'sa bha losa maille riu bha dochas aca gu 'm b' esan an ti a bha gu Israel a shaoradh. Ged nach robh e cothachadh mar bu mhaith leo an aghaidh uachdaranachda an t-saoghail, 's ged a bha luchd riaghlaidh 's luchd teagaisg na duthcha a' faotainn lamh an uachdar air, bha seorsa dochais aig na deisciobuil gu nochdadh e a chumhachd ann an iiine ghearr, 's gu 'n gabhadh e an tuadh 's an claidheamh 'na laimh chum buille threun a bhualadh airson saorsa Israel. Ach 'na aite sin chunnaic iad e air a chur gu bas eadar da ghaduiche 's cha d' fhosgail e a bheul. Dh' eisd iad ri magadh is tair na feadhnach a thuirt ris Saor thu fein ma \ tu Criosd, aon taghta Dhe. A' bheil ioghnadh ged a chaill na deis- ciobuil an dochas ? Bha br6n 'nan cridhe airson a' charaid chaoimh a thugadh uapa, ach cha b'e sin an rud bu mhiosa. Bha iad mar mhar- aichean air sgeir 's an long briste. Dhuisg losa

dochas solasach 'nan cridhe ach b' fheudar dhaibh aideachadh a nis nach robh ann ach dochas faoin. Bha fios aca gu 'm biodh iad 'nan cuis mhagaidh anns an tir, 's gu 'n abradh seanairean is sgonn-bbalaich gu 'm bu cheart a dh' eirich do na h-amadain. Chuir iad an comhairle ri cheile 's dh' aontaich iad gur h-e an rud a bu ghlice b' urrainn dhaibh a dheanamh a nis, an aghaidh a chur 's an airde tuath 's Galile a thoirt a mach cho luath 's a ghabhadh e. Ach rinn iad ath-chomhairle. Bha cumhachd nach b' aithne dhaibh fhein 'g an cumail an lerusalem, 's ann an iomall a' bhaile chuir iad seachad an t-Sabaid. B' e sin an t-Sabaid thursach ; ged a bha 'n teampull air a lionadh le luchd aoraidh a' coimhead feill na Caisge, cha b' urrainn deisciobuil losa fonn nan Salm a thogail oir lion do-bhr5n an cridhe.

Cha 'n 'eil e coltach gu 'n deachaidh a h-aon aca a dh' amharc na h-uagha anns an do leag loseph corp an t-Slanuigheir. Faodaidh gu robh eagal orra an gnuis a nochdadh, oir bha naimh- dean air an toir. Ach an glasadh an latha thainig Muire Magdalene is mnathan eile a dh' ionnsuidh na h-uagha, chum corp losa iingadh le spiosraidh. Tha e 'na riarachadh le daoin an latha diugh fluraichean a leagadh air uaighean nan cairdean gaoil a chaidh as an t-sealladh, 's bha e 'na riarachadh le Muire 's leis na mnathan eile an dleasdanas deireannach ud a dheanamh d' an caraid caomh. Ghabh iad cothrom air a dheanadh am bristeadh an latha, oir cha bu mhaith leo gu 'm faicte iad. Ach air dhaibh an t-aite ruigheachd bha 'n uaigh falamh. B' e sin rud ris nach robh fiuthair aca, oir cha d' thainig e idir 'nan cridhe gu 'n d' eirich losa no gu robh e beo. Cha robh fios aig Muire ciod a bha cearr, ach smuainich i gur h-e 'n rud a b' fhearr a ghabhadh deanamh fios a thoirt do Pheadar 's do dh' Eoin cho luath 's a b' urrainn dhith. Air ball thainig an da dheisciobul agus chunnaic iad gu 'n robh chuis da rireadh mar dh' innis Muire dhaibh. Bha 'n uaigh falamh, 's an lion-eudach 's an neapaicin a bha m'a cheann 'nan luidhe ann an doigh a chuir iongantas air na deisciobuil, 's a rinn cinnteach iad nach e daoin' a thug air falbh ah corp. Thill Peadar is Eoin dhachaidh, ach mar eun ag itealaich mu 'n cuairt na nid a chreachadh, dh' fhan Muire aig an uaigh, a' sileadh dheur. Fhuair a dilseachd duais, oir air dhi sealltuinn anns an uaigh, chunnaic i da

14

aingeal a thuirt rithe Carson a tha 'thu gul. Ach bha na b' f hearr a' feitheamh oirre, eadhoin an Ti d'a bheil na h-ainglean 'nan spioradan frithealaidh. Sheas Criosd maille rithe agus thubhairt e Carson a tha thu gul, co tha thu 'g iarraidh ? Dh' f haodadh Muire radh gu 'm bu bheannaichte ise am measg bhan oir b' a a cluasan-se a chuala na ceud fhacail a labhair Criosd ann an staid a ghloire. Ach cha robh fiuthair aice esan f haicinn, 's eadar an dorchadas is neul nan deur a bh' air a suilean cha d' aithnich i e. Faodaidh nach do sheall i air, oir shaoil i gu 'm b'e 'n gairnealair a bh' ann. Ach ghairm Criosd air a h-ainm i A Mhutre. Leum a cridhe ris an fhacal oir dh' aithnich i nis an guth 's ghlaodh i le gairdeachas Mo Mhaighstir.

Anns an fheasgar dh' fhoillsich Criosd a f hein do dha dheisciobul air an t-shgha gu Emmaus. Cha bhuineadh iad do chomunn nan abstol, ach bha iad a cheart cho tursach ris na h-abstoil an deigh na thachair an Jerusalem air an t-seachd- uinn a chaidh seachad. Chual iad an seanchas a bha dol am measg chaich, gu 'n d' fhuaradh an uaigh falamh. Ach ma chuala, cha do chreid iad gu 'n d' eirich Criosd no gu robh a beo. Dh' innis iad do 'n choigreach a choisich maille riu car air char mar thachair ciamar a chuireadh losa gu bas, ciamar a bha dbchas aca gu 'n saoradh e Israel, ciamar a bha e air a mhonmur am measg dhaoine gu 'n d' eirich e, ach ars' iadsan, tha tri laithean o thachair na nithean sin. Mar gu 'n abradh iad Cha 'n urrainn an seanchas a thog na mnathan a bhi fior. Cha d' aithnich iad fhathast co bha maille riu ach dh' eisd iad le ro-aire am feadh 'sa mhinich a dhaibh na faidhean, 's a nochd e dhaibh gu 'm b' eigin do Chriosd fulang ma rachadh e steach d'a ghloir. Bhean na briathran cho dluth ri 'n cridhe, 's dhuisg iad annta leithid a sh61as 's nach duraichdeadh iad dealachadh ris a' choigreach, 's thuirt iad ris Fan maille ruinn, oir tha e dluth do 'n fheasgar 's tha deireadh an la ann. Ciod a thachair na dhaigh so, cha 'n 'eil na soisgeulaichean ag radh, ach a mhain gu'n do shuidh a gu biadh maille riu, gu 'n do ghlac a aran, 's gu 'n do bhaannaich se a, gu 'n d' fhosgladh an suilean 's gu 'n d' aithnich iad e. Bha e maille ris an da fhear dheug aig an t-suipeir naomh 'san t-seomar uachdrach, ann an coslas feola 's ann an staid a dhaonnachd, ach b'e so a cheud bhord comanachaidh aig an robh a lathair ann a' staid a ghloire.

An deigh dha dol as an t-saalladh thill an da dheisciobul gu lerusalam a dh' innseadh na chuala 's na chunnaic iad. Bha 'n treud baag sgapte le h-eagal 'nuair a dh' fhag Cleopas am baile 's a' mhaduinn, ach 'nuair a thill e 'san fheasgar fhuair e iad cruinn ann an aon aite (cha robh Tomas ann) a' deanamh iolaich 's ag radh DK eirich an Tighearna, is chunnaic

Simon e. Ma bha sgeul iongantach aig na h-abstoil ri innseadh do Chleopas, bha sgeul cho iongantach aig Cleopas ri innseadh dhaibh, ach am feadh 's a bha e g'a h-innseadh dh' fhas a' chuideachd balbh oir fauch, bha Criosd mailk riu. Cha chualas fuaim a theachd, 's bha 'n doruis duinte 's cha'n fhaca suil e, gus an cual iad an guth ciuin air an robh iad eolach Sith maille ribh. Ghabh iad eagal oir shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad, ach air dha a lamhan 'sa chasan is larach nan tairngean a leigail fhaicinn dhaibh chreid iad. Choimh-lionadh dhaibh an gealladh Chi mi sibh a ris, agus ni sibh gairdeachas agus bhur 'n aoibhnaas cha toirear uaibh.

Dh' innis each so uile do Thomas ach bha asan an duil gu robh 'n sgeul ro mhaith airson a bha fior. Chuir a taagamh eadhoin am facal Pheadair is Eoin, 's thuirt e nach tugadh e gaill do naigheachd cho neo-choltachd as eugmhais gu faiceadh a Criosd la shuilean fhain, 's gu 'm beanadh e le mheuran larach nan tairngean 'na lamhan 's 'na chasan. Bha Criosd cho caomhal 's cho faighidneach ri teagamhan is cruas cridhe nan deisciobul an deigh na h-aiseirigh 's a bha e ann an laithean fheola, 's thug a do Thomas an dearbhadh a dh' iarr e.

Cha ruig sinn a leas tigh'nn thairis air a' chorr. Anns na sia seachduinnean a bha Criosd air thalamh an deigh dha eiridh o na marbhaibh dh' fhoillsich se e fein d'a dheisciobuil an iomadh aite 's air iomadb doigh. B'e aiseirigh Chriosd a chruinnich ri cheila an treud beag an deigh dhaibh sgapadh, agus is e an aiseirigh a' charraig air an do thogadh an Eaglais. Cha robh duil aig na h-abstoil gu faiceadh iad e gu brath tuilleadh an deigh a bhais, 's bha iad a' deanamh deas gu tilleadh dhachaidh is obair rioghachd Dhe a thilgeadh far an lamh. Ach 'nuair a dh' eirich Criosd, 's a chunnaic an suilean e, 'sa laimhsich an lamhan e, 's a thuig iad gu robh e fhathast maille riu, dh' fhosgail an inntinn air chor 's gu 'n do thuig iad nithean a bha roimhe sin dorch' orra, 's thainig misneach is dochas 'nan cridhe nach b' urrainn an saoghal a thoirt uapa. Dh' fhairich iad gu robh iad air an gairm le Dia gu fianuis a thoirt mu 'n aiseirigh. B'e aiseirigh Chriosd toiseach is deireadh is teas-meadhoin an searmoin, 's nuair a thagh iad neach a ghabhadh aite ludais 'nan comunn, thagh iad duine a b' urrainn fianuis a thoirt mu 'n aiseirigh. Shearmonaich iad an soisgeul sin anns an dearbh aite anns an do thachair an t-Ioghnadh Mor, ach cha b' urrainn Pharasaich no Sadusaich a dhearbhadh gu^m b' e sgeul fhaoin a bha iad a! labhairt. Ged a chaidh Criosd as an t-sealladh tha e fhathast beo. Tha e giulan air aghaidh ministreileachd a's farsuinge 's is buadhmhoire no b' urrainn e dheanamh ann an laithean 'fheola. La 'aiseirigh thug e beatha 's

4

15

neo-bhasmhorachd gu solus, 's thug e dearbhachd d'a shluagh nach e 'n uaigh ceann an reis, ach gu faigh iad tuilleadh agus buaidh tridsan. Tha e air ardachadh ann an staid gloire, saoibhir ann an lanachd beatha as an tarruing an Eaglais a cuibhrionn gus an tig nan naoimh uile ann an aonachd a' chreidimh agus eolais Mhic Dhe chum iomlanachd agus tomhas airde lanachd Chriosd.

Beannaichte gu robh Dia gu brath, A chuir an namh fo chois, 'S a thug dhuinn trid ar Ceannard Criosd Buaidh shiorruidh agus fois.

I.— BAA BAA.

An robh thu riamh air an Fhaidhir Mhuilich, a leughadair ? Mur robh, faodaidh tu bhi coma, oir mar d' thubhairt Para Mor, cha b'e 'n Sailein dubh baile na biadhtachd, 's airson ciimhraidh dheth, dh' fheumadh esan eirigh gu maith moch a dheanadh malairt ri Liosach. Thachair dhomh a bhi ann uaireigin, agus mur tug gnothuch ann mi, thug mi sgeul no dha as. Bha 'n latha blath 's leig mi mi fein am shineadh air cnoc a bha taobh na pairce anns an robh 'n Fhaidhir air a gleidheadh. An ceann greis thainig leth sheann duine, 's an deigh dha 'n latha mholadh, shuidh e lamh rium. Chord a sheanchas rium oir bha e furasda gu leoir fhaicinn gu 'm bu duine pongail, ciallach, fiosrach e. Ach a mhic a' chridhe, cha b' fhada gus an robh car eile 'n ruidhle bhodaich. Mhothaich mi gu 'n robh sgaoth de bhalaich mhi-mhodhail a' dol mu 'n cuairt na Faidhreach, 's mar dhroch abhagan, a' toirt greim a sail gach fir a thachradh orra. Chaidh iad seachad ormsa 's air mo chompanach air a' cheud sgriob gun am beul fhosgladh, ach air an ath turus, mar gu 'n rachadh am mac mallachd annta anns an aon mhionaid, sheas iad m' ar coinneamh agus ghlaodh iad Ba-Ba-Ba- a-a. Rinn am bodach a shaoil mise bhi 'na dhuine cho ciallach aon mhion uamhasach agus bha e air a chois. Chunnaic na sgonn bhalaich an cunnart agus tharr iad as. Dh' fhalbh am bodach 'nan deigh mar dhuin' air.druim dearg a' chuthaich, a' deanamh ghuidheachan oillteil dhaibh, agus a'greasad an siubhail le doirneagan chlach. Ubh, ubh, arsa fear a mhuinntir Cholla a bha dol seachad 'se gaireachduinn, tha i air tigh'nn 'na toit o'n iar-thuath. Chunnaic mi gu'n do thuig esan gu de a thog fearg a' bhodaich ann an doigh cho gabhaidh, agus dh' fhaighneachd mi dheth ciod idir a chuir an duine air a' bhainidh. Mata, ars' an CoUach, cha 'n fhaca mis' e riamh roimhe, ach tha mi meallt' am bharail mur Liosach e.

Tuigidh tu nis, a leughadair, gu de chuir am bodach bharr a shiuil. Theirear na h-oisgean ri

muinntir Liosmor mar fhar-ainm, 's ma tha thusa glic is gaolach air sith, cha toir thu iomradh air caora no odhaisg 'nuair a thachras Liosach ort aig Faidhir an t-Sailein, no margadh an Obain. Anns na laithean a dh' fhalbh bha na Gaidheal gle dheas gu far-ainmean a thoirt air each a cheile, ach cha b' ann an droch run sam bith a bha iad a' deanamh sin, ach ann am fearas chuideachd. Bha na seann Gaidheal, mar tha Gaidheal an latha diugh, gaolach air geireid facail is bearradaireachd, agus is ann uaith sin a dh' eirich na far-ainmean a tha cho cumanta 'nam measg. Nan deanadh bard aona sgireachd rann aighearrach is thugaideach mu sgireachd eile, gheibheadh e duin' a fhreagradh e 'na chiiineadh fhein. Tha h-uile h-eilean beag is sgireachd bheag a' saoilsinn gur h-iad fein ait"^ a's fhearr o'n ghrein, 's los sin a chuir an ceill do 'n t-saoghal bidh iad a' labhairt gu taireil mu'n coimhearsnaich. Ach labhraidh an coimh- earsnaich a cheart cho taireil umpa-san, air chor 's nach 'eil aobhargearain aig a h-aon dhiu. Tha so fior a thaobh chinneach eile cho mhaith ris na Gaidheil. Dliith do Bhagdad anns an aird an ear bha baile beag ris an abairte Naresh, aig an robh a leithid a dhroch cliu 's gu 'm biodh fir Bhagdad ag radh ris na h-igheannan bga Ma phog fear a Naresh thu, ainnt d' fhiadan. Bha so a'ciallachadh nach robh ann am muinntir Naresh ach na daor mheirlich, ach faodaidh gur h-ann o fharmad a dh' eirich am facal. 'Nuair a thainig Philip gu Natanael, 's a dh' innis e dha gu 'n d' thainig am Messiah bh' air a ghealltuinn, tha sinn an dull gu robh fiamh gaire air aodann Natanael 'nuair a fhreagair e Am feud ni maith air bith teachd a Nasaret. Tha e coltach gu robh droch ainm aig Nasaret am measg nam bailtean eile an Galile, 's nach robh Natanael ach ag aithris seorsa sean fhacail a chual e. Ach ged a fhuair iomadh aite droch cliu gun a chosnadh, tha e coltach gu robh na bailtean eile ceart ann a bhi cur buirbe is amhlaireachd as leth Nasaret, oir tha sinn a' leughadh gur h-e muinntir a'bhaile sin a' cheud fheadhainn a dh'fheuch ri lamh a chur am beatha Chriosd Lucas iv. 2g. 'Nuair a bha Pol a toirt comh- airle air Titus mu 'obair ann an Crete, chuir e 'na chuimhne nach robh iad fo dheagh chliu a thaobh firinn. Tha, arsa Pol, fear d' am baird fhein ag radh Is breiigairean a ghnath na Cretich. Ma bha na Cretich 'nan daoine breugach dh' fhaodadh am bard a theangadh chumail, oir cha bhiodh an fhailing sin an ain-fhios air na h-eileinean eile, 's bhiodh iad deas gu leoir gus an inisg a thilgeil.

Anns na seann laithean bha raiteachas eadar na finneachan nach 'eil eadar riu an diugh, agus cha bu mhisd leis an dara feadhainn droch thuaileas a thogail air an fheadhainn eile. Bhatar a' cur as leth nan Granntach gu robh iad car

16

geocach agus nach biodh saod maith orra mur biodh a' cholunn air dealbh.

Cha bhi gean air Gramitach gus am faigh e brochan. Bhatar a' cur as leth nan Camshronach gu robh iad spiocach mu im, ged a bha iad fialaidh gu leor mu sheorsachan eile bidh. Coltach ris an fhitheach nach toir an t-s{iil do na h-iseinnean bu mhaith leis a' Camshronach an t im a ghlei'lh- eadh dha fhein.

larr gach ni air Ca7nshronach ach Im.

■Ged a bha Clann Illeathain 'nan cinneadh laidir bhiodh each a magadh orra airson am mdrchuis. Cha 'n 'eil teagamh nach h-e Caimb- •eulach gear air chor-eigin a chuir am facal am beul an Leathanaich

Ged tha mi bochd tha mi uasal Taing do Dhia is Leathanach mi. Bha iad fhein 's na Uomhnullaich a' cur farrain air each leis cho uaibhreach, m6rchuiseach 's a bha iad, mar gu 'm bu leo an saoghal gu leir

Spagadagliog Chlann Domhnuill

Is ieom Leathanaich. Tha na Sgitheanaich cho taireil air na h-eileinean eile 's a bha Clann Illeathain air na finneaehan a bu lugha na iad fhein. Bhiodh iad ag radh gu 'n d' thuirt fear a mhuinntir tir mor

Nam b' eileanach mi, bu Sgitheanach mi, a' ciallaehadh nach robh eilean eile ghabhadh coimeas ris. Tha na h-eileanan mora 'sealltuinn sios air na h-eileanan beaga, 's bheir muinntir nan eileanan beaga buidheachas do Dhia nach do rugadh iad am Barraidh. Their na Sgithean- aich an t-eilean, is muinntir Urchadainn an gleann ri tir an duthchais, mar nach biodh eilean no gleann eile fo 'n ghrein ach iad fhein. Ach ma theid thu an seanchas ri Leodhasach, cluinnidh tu am facal,

Cho fad 'sa bhios maide 'sa choill

Bidh foill 'san Sgitheanach,

's ma theid thu an seanchas ri fear a SrathGhlais innsidh e dhuit nach 'eil bodaich Ghlinn Urch- adain an ni a shaoil thu.

Crabhadh a' Ghlinne malairt nam muc. Bha mi bruidhinn ri Tiristeach an uiridh, 's thug •e tarruing air duin' air am fac' e dear beag •drama beagan roimhe sin. Nach do shaoil mi, arsa raise, nach cuireadh e 'na bheul e. An e'n .t-Ileach, ars' esan, fear mo ghraidh. Tha na Muilich gu maith taireil air daoin' eile agus faodaidh gur h e sin a thug air each a bhi cho trom orrasan

Muileach is Ileach is deamhan Triiiir a's miosa '5 an domhati 'S mios' am Muileach no 'n t-Ileach 'S 7nios' a?i t-Ileach no 'n Deatnhan.

Tha facal eil' ann a tha 'g radh.

Cha 'n fhaic am Muileach nach sanntaich am Muileach,

Na shanntaicheas am Muileach, goididh an Collach

Na ghoideas an Collach cuiridh an Tirisdeach am falach. Tha e soilleir o'n fhacal so gur h-ann aig an Tiristeach a bhiodh a' chobhartach air deireadh na cluiche, 's nach fagadh e aig each ach an eucoir gun a duals. Tha e air a radh nach do ghabh Gaidheal riamh athadh airson an seorsa meirle so Fiadh a beinn, slatag a coill, is bradan a uisge. Bu duilich do na Tirisdich 's do na Collaich rud a ghoid nach gabhadh faotainn, ach bha seorsa meirle eil' ann, as nach do ghabh iad riamh a' bheag a thamailt, agus b'e sin cobhartach cladaich. Bhiodh na Tirisdich a' cur as leth nan Collach nach deanadh iad tapadh sam bith ri cliathaich Wreck air sgeir mhara, no ri solus latha, ach neo-ar-thaing nach goideadh iad an stuth a chuireadh na Tirisdich gu tir.

Cha 'n 'eil baile beag an Tiriodh air nach 'eil far-ainm aig each,

Bhalla Na sgait. , Salum Na sithichean.

Ruaig Na roin. An caolas Na tunnagan. Cha tuig duine nach do rugadh 's nach do thogadh 's an eilein leud is airde 's doimhne 'n fhacail so Fir Sgairnis is mnaihan Odhraisgear.

Theirear ris na Diuraich na heich, 's their na Diuraich ri muinntir Chnapadail an crodh maol. Tha e furasda gu leor a thuigsinn gu de bha 'm beaehd nan Diurach ann a bhi 'g radh crodh maol ris na daoin' eile, ach cha 'n 'eil e furasd a radh gu de tha na h-eich a' ciallaehadh. Faodaidh gur h-e spionnadh nan Diurach a thug na h-eic)i orra, oir 'nuair a bhitear a' moladh neach air son spionnaidh theirear tha echo laidir ris an each. Anns na far-ainmean tha daoin' air an samhlach- adh mar is trice ri beothaichean na talmhainn, eisg na mara, is eoin an adhair. Faodaidh mi , cuid air a bheil cuimhn' agam a chur sios air an duilleig so, ach theirinn riut a leughadair, c' ait' air bith an do rugadh tu, gun mhiothlachd a ghabhail 's gun dol air a' bhainidh mar rinn an Liosach 'nuair thuirt balaieh an t-Sailein, Ba-Ba Baa. Ach ma theid, mo thogair ; cha ruig na doirneagan ormsa.

-na doideagan.

Muile-

Leodhas na birich.

An Ros na gamhna.

I. na h eich.

Sleibhte na cearcan.

Gleann-eilg oisgean nan casa caola.

Cearara na h-eireagan.

Airdnamurchan na cnodain.

Lathurna na losgain.

Air 6.

1909.

AN DUINE BEANNAICHTE.

Cha 'n 'eil an t-salm so fada, ach faodar a radh uimpe mar thuirt fear de na h-athraichean mu aon de litrichean Phdil " ged tha i beag tha i brioghmhor." Their cuid gur h-e Solamh a sgriobh i los a curaig toiseach co-chruinneachadh de bhardachd athar a rinn e. Cha 'n urrainn sinn a radh co dhiu a tha sin fior no nach 'eil, ach a dh' aon chuid, tha i freagarrach gu leor mar roimh radh do laoidhean Dhaibhidh. Tha i a' teagasg ann an doigh shimpHdh is dhruidhteach an fhirinn a tha na sailm uil' a' teagasg, gur beannaichte iadsan air a bheil eagal an Tighearna 's gur h-olc a dh' eireas do na h-aingidh.

Anns na ceud tri rannan tha 'n Sahnadair ag innseadh ciod iad comharan an fhirein. Tha e tighinn thairis an toiseach air nithean a sheach- nas an duine diadhaidh, 's 'na dheigh sin tha e 'g ainmeachadh na nithean anns an gabh e tlachd.

Cha ghbiais e an comhairlc nan aingidh Cha seas e an sliglie nam peacach Cha snidh e an caithir luchd fanoid.

Cha 'n 'urrainn dall, dall eile a threorachadh agus tuitidh esan a ghabhas comhairle an aingidh anns an latHaich. A reir teagasg an t-seann Tiomnaidh, tha 'n duin' aingidh co-ionann ri amadan, oir cha 'n 'eil eagal De air agus is e eagal De toiseach a ghliocais. Cha 'n iarr an duine glic comhairl' air amadan, oir tha fios aige nach tig as a' phoit ach an toit a th' innte. Gabhaidh an duine glic comhairle dhaoine glic agus bheir e geill do 'n fhacal; Ma thalaicheas peacaich thu, na aontaich leo. Cha mho a sheasas an duine glic an slighe nam peacach. Cha 'n e mhain gu 'n seachain e olc ach seach- naidh e coslas uilc. Taghaidh e a chompanaich. Is maith leis conaltradh a dheanamh riusan a tha gabhail tlachd anns na nithean a's toigh leis f hein, agus cha bhi iarraidh aig' air seanchas na feadh- nach nach labhair ach faoineis. Cha suidh e an cathair luchd fanoid. Nan deanadh e sin, cha bhiodh e an dara cuid glic no diadhaidh, oir tha spiorad a' mhagaidh agus spiorad na diadhaidh- eachd calg dhireach an aghaidh a cheile. 'Nuair a thoisicheas duine air ianoid a dheanamh air diadhaidheachd 's air eaglaisean, 's air luchd aideachaidh, 's air a' Bhiobull, tha e ann an staid chunnartaich. Tha e air tuiteam cho iosal 's is

Salmadair a' toirt feudar an duine

urrainn dha tuiteam. Air cho fad 's gu 'n teid duin' air seacharan, 's air cho domhain 's gu 'n tuit e anns a' pheacadh, cha ruigear leis dochas a chall uime ma tha urram do Dhia 's do dhiadhaidheachd 'na chridhe. Ach ma chailleas e sin, 's ma thoisicheas e air fanoid a dheanamh orra, tha e ullamh. Cha ruigear leis a bhi bruidhinn ris oir cha ghabh e comhairle. Esafi a bheir achnhasan do dJi fhear fochaid, gheibh e dhafetn masladh. Gnath-fhocail ix. 7. Tha fear na fochaid daonnan 'na dhuin' aig a bheil inntinn bheag is cridhe cruaidh is anam gun urram. Tha shiiilean diiinte, 's cha d' f huair e riamh sealladh air ni sam bith a's fhearr no e fhein. Magaidh e air crabhadh athar, 's air uirnighean a mhathar, agus an duin' a dheanadh sin mhagadh e air Dia. Cha 'n 'eil eagal Dhe no dhaoin' air, 's cha chuir e dragh sam bith air ged a ghortaicheadh e le bhriathran magail cridheachan dhaoin' a's fhearr no e fhein. Tha fear na fochaid fada fada o rioghachd Dhe oir tha an spiorad a th' air a ghiulan calg dhireach an aghaidh spiorad Chriosd.

Anns an dara rann tha 'n seachad da chomhara leis am diadhaidh aithneachadh.

Tha tlachd aige do dli fhacal an Tigheariia. Tha e daonnan a' beachd-smuaineachadh air.

Tha facal Dhe 'na lochran dha. Cha 'n 'eil leabhar a sgriobhadh riamh a tha cho priseil do chreidmhich ris a' Bhiobull. Tha e dhaibh 'na sholus. Tha e dhaibh 'na lorg. Tha e dhaibh 'na chlaidheamb. Le sailm molaidh iad Dia ann an la an aoibhneis. Le geallaidhean an leabhair naoimh neartaichidh iad an cridhe ann an la na trioblaid. Le claidheamh an fhacail cuiridh iad ruaig air an namhaid ann an la a' bhuairidh. Gheibh iad comhairl' is misneach is comhfhurt- achd ann air reir am feuma. Tha saoibhreas do rannsaichte anns an fhacal, 's cho bitheanta 'sa rannsaicheas iad e, gheibh iad seudan ur is luachmhor ann. Mar is motha tlachd dhaoin' ann am facal Dhe, is ann a's fhaide tha iad air an aghaidh 's a' bheatha spioradail. Do na daoin' aingidh 's do luchd fanoid tha 'm Biobull mar gu 'm biodh fearann tana, tioram, creagach, gun sugh, ach do na daoin' a bhlais deagh thiodhlac Dhe tha e mar gum biodh tir a ta sruthadh le mil' is bainne. Tha saoibhreas ann am facal Dhe a dh' aimseas eadhoin air daoine baoghalta

22

isluchd siubhail, ach is ann dhaibhsan a thaisgeas 'nan cridhe e, 's a bheachd-smuainicheas air, a la agus a dh' oidhche, a dh' fhoillsicheas an Spiorad Naomh an lanachd brigh is gloir a tha foluicht' ann. Clia leugh na daoin' aingidh am Biobull ged is iad a's motha feum air, 's nuair a leughar 'nan eisdeachd e cha toir iad aire. Ach cha 'n ann mar sin a tha 'n creidraheach. Tha 'm facal 'na cheol binn d'a chluais, 's 'na Ion d'a anam agus madainn is feasgar ni e 'n uirnigh Fosgail a Dhe mo shuilean chum gu 'm faic mi nithean iongantach 'nad lagh.

Anns an treas rann tha 'n Salmadair a' teagasg gu bheil beannachd Dhe a leantuinn nan daoin' a sheachnas olc 's a ghradhaicheas a lagh. Bidh iad mar chraoibh suidhichte ri taobh sruthaibh uisge, a bheir a mach a toradh 'na h-aimsir agus nach caill a duilleach. Cha 'n e mhain gu bheil am firean a' giulan toradh na fireantachd, ach tha bheatha sgeadaichte le niaise na diadhaidh- eachd. Cha luidh aois air. Tha 'oige air a h-athnuadhachadh. Fanaidh a dhuilleach gorm 's bidh fas is cinneas air gus a' chrioch.

Bidh piseach air an fhirein ch6ir

Mar phailm-chrann urar glas,

Mar sheudar ard air Lebanon

A' fas gu direach bras.

An dream tha air an suidheachadh

An tigh 'san aros De,

An cuirtibh greadhnach ard ar Uia

Sior fhasaidh iad gach re,

'S an am 'sam bi iad aosmhor Hath

Bheir iad mor mheas a mach

Is bithidh sultmhor le deagh bhlath

Dhiubh sud gach uile neach. Tha an t-Seann Tiomnadh a' cur an tuilleadh cudthrom air a cheangal a tha eadar fireantachd is soirbheachadh no tha an Tiomnadh Nuadh a' deanamh, ach eadhoin anns an Tiomnadh Nuadh thatar a' foghlum gu bheil an diadhaidheachd tarbhach chum nan uile nithean, 's gu bheil gealladh na beatha ta lathair aice cho cinnteach ri gealladh ta ri teachd. Cha 'n eirich olc do shluagh an Tighearn oir dionaidh a chumhachd-san iad agus leanaidh a mhaitheas iad. Is urrainn iad earbs' a bhi aca gu bheil gliocas is gradh Dhe a comh -oibreachadh le cheile air an son. Cha chtim Dia ni maith sam bith uapasan a tha gluasad air reir a lagha. 'Nuair a tha duine a' gluasad ann an eagal an Tighearna, 's a' deanamh a thoile, 's ag earbsadh as le 'uile chridhe, faodaidh e inntinn shocrach a bhi aige, oir tha uile chumhachdan an t-saogh- ail ag oibreachadh air a thaobh. Tha na reultan o'n sligheannaibh arda a' cogadh as a leth.

Ceart mar a ta na beanntan ard Timchioll lerusaleim, Tha Dia mar sin a nis gu sior Timchioll a phobuill fein.

Is urrainn am firean geallaidhean a' Bhiobuill a thagar agus tha na geallaidhean sin dha 'nam beatha. Tha fios aige nach treig Dia e, 's air cho dorcha 's cho duilich 's gu 'm bi an rathad tha Fear cuideachaidh air a laimh dheis. Cha 'n ann mar sin a tha 'n t-aingidh. Tha'n Salmadair 'g.a choimeas ri moll, ni a tha gun sugh, gun bheatha, gun chinneas, 's gun mhaise. Sgapar e leis gach gaoth a sheideas, 's theid e as an t-sealladh. Air chuimhne gu brath bidh am firean ach sgriosar an t-aingidh. Tha peanas a' leantuinn peacaidh cho cinnteach 's a tha ghrian 's 'na neamhan. Cha ghabh an gnothuch a chur tuilleadh 'sa choir laidir. Tha gnuis Dhe an aghaidh aingidheachd is luchd deanamh an uile. Cha mhagar air Dia, 's cha ghabh eucoir foluch o shuilean. Faodaidh droch dhaoine 's luchd fanoid iad fhein a mhealladh car greis, le bhi toirt orra fhein a chreidsinn gur coma le Dia co dhiu a ni iad olc no maith. Faodaidh iad socrachadh air an deasgainibh agus sith, sith a radh r'an anam, ach tha facal Dhe ag radh Chn 'eil sith do'n aingidh.

Is beannaichte iadsan a dh' eisdeas facal Dhe agus a ni e, a ghradhaicheas fireantachd agus a dh' fhuathaicheas peacadh. Bidh iad anns an t-saoghal so mar chraobhan suidhichte ri taobh an uisge. Sgaoilidh iad a mach an geugan 's bidh an duilleach gorm. Bheir iad a mach toradh 's bidh an toradh mills do bhlas. 'Nuair a thig am bas gu sluagh an Tighearna, cha 'n 'eil iad mar chrionaich a th' air a gearradh sios, ach tha iad mar chraobhan 6g air an atharrachadh o aon aite gu ait' eile eadhoin gu garradh raais- each Dhe far am faigh iad fasgadh is bias, 's far an cinn iad ni 's guirme 's ni 's toraiche ri taobh abhainn na beatha a tha sruthadh o chaithir Dhe is an Uain.

CUAIRT A' MHINISTEIR GHALLDA.

\Bha so air a sgriobhadh leis an Ollamh Tormoid Mac Leoid nach maireann ris an abairte '^ Caraid nan Gaidkeal."^

Thachair dhomh o chionn latha no dha a bhi coiseachd dhachaidh o thurus air an robh mi, agus smaointich miath-ghoirid a ghabhail thairis air gualabeinne a thuggu gleann tiorail mi, anns an robh aireach bhb a chomhnuidh. Bha meas mor agam air mar dhuine glan, ceanalta, diadh- aidh. Is mi a ph5s e agus a bhaist an t-aon duine cloinne a bh' aige leanabh gille a bha nis mu bhliadhna gu leth a dh' aois. Chualami le mor ioniaguin gu 'n robh an leanaban 6g so do reir coslais dluth do 'n bhas. Bha mathair an leinibh 'na h-6g mhnaoi cho tlachdmhor 's a chiteadh am measg sluaigh, nighean na deagh

i

i

i

23

charaid a chaochail mar mhios da cheile. Bha so 'na dheuchainn a luidh tibm oirre, agus o'n robh i faotainn caileigin de dh' fhaochadh an uair a ghlac linneas a paisde lurach fhein magaran leinibh cho aillidh 's a chunnaic mi riamh.

Mar a dhKithaich mi air an dorus, thainig bana - choimhearsnach choir a bha cumail cuid- eachd ris a' mhnaoi so, fhad 'sa bha companach a muigh 's a' bheinn, a mach am chbmhdail. Bha nadeoira'ruith sios o'gruaidhean, agusdh'fhaisg i mo lamh le mor chaoimhneas. " Is e an Ti a's airde," deir ise, " a chuir an rathad sibh. Mo thruaighe ! Seonaid bhochd, 's ann aice a tha feum air 'ur faicinn."

Thuig mi mar a bha 'chiiis. C uin, a deir mise, a chaochail an leanabh ? Dh'innis i dhomh gu 'n d' fhag an deo e o chionn leth uair a dh' iiine. Chaidh mi 'stigh agus fhuair mi mathair an leinibh 'na suidhe ri taobh na leapa as an d' eirich i, an uair a chual i gu 'n robh mi a' gabhail a dh' ionnsuidh an tighe. Bha 'n corp beag 'san leabaidh rugha fhathast 'na ghruaidh mhaoith, fiamh a ghair air aodann blath, a shuilean duinte, a lamh bheag fhathast an uachdar, agus e uile gu leir mar gu 'm biodh e ann an suain shamhaich, ach b'e cadal a' bhais a bh' ann. Shuidh mi ri taobh na leapa, chunnaic mi gu 'n robh an tend oir air a bhristeadh, agus a' chuach oir air tuiteam as a cheile. Bha suil a mhathar fhathast air an leanabh, agus i 'turamanaich ann an trdra bhrbn, 's a da laimh paisgte air a h-uchd.

Tha do spairn-sa, a ghraidh, seachad, deir ise, agus carson a bhiodh do mhathair a' gearan. Tha thus', a ri^iin, aig fois, agus carson a bhiodh mo chridhe truagh mar so 'an impis sgainidh.

Thuit a deoir gu frasach, agus cha b'e 'n t-am am bacail. Is sochair so a bhuineas do Nadur, na deoir a shileadh fo bhrdn, agus bu chruaidh chridheach an neach a dh' fheuchadh ris an t-sruth so a chasg. Is furasd' achmhasan agus comhairle mhaith a thoirt seachad do luchd a' bhrbin ; ach 's e 'n cairdeas a's airde anns na h-amannan deuchainneach sin ar deoir a shileadh leo an samhchair, agus ceadachadh do'n chridhe Ian fhaochadh 'fhaotainn 'na chainnt agus 'na osnaichean fhein, oir da rireadh

Tha solas ann an iuireadh le sith 'Nuair a dh' aomas cliahh tuirse gu bron.

Thionndaidh an duile bhronach so rium agus thuirt i Am bheil 'ur teaghlach an diugh 'nan slainte ? Ciamar a tha 'n leanabh a's bige ? Chuala mi gu 'n robh e 'gearan.

Cliu do Dhia, fhreagair mi, tha iad uile 'nan slainte, agus tha 'n leanabh beag a' dol am feabhas.

Is maith sin, a deir ise, cha robh ach seachd- uinn aois eadar e fhein 's mo ghradh-sa a tha 'n

so 'na shineadh. Thugaibh maitheanas dhomh 's thig mi gu ciuineachd ann an uine ghoirid. Cha 'n urrainn domh fhathast a bhi samhach, ach taing do 'n Ti a's airde, tha mi striochdta fo 'laimh. Ach am bheil mo leanabh da rireadh marbh ! Am fosgail na suilean tlath sin ni 's mb ! Is minic, a ruin mo chridhe, a shuidh mi mar so taobh do leapach, a' deanamh faire ort agus thu 'nad shuain, agus an gaire faoin ag iadhadh air do ghnuis. Is minic a thuirt mi 'am chridhe gbrach. Bithidh mo leanabh-sa fhathast 'na dhuine, theid e mach agus thig e steach 'am lathair, bithidh sinn a seanachas ri cheile, theid thu leam do thigh an Tighearna, agus suidhidh tu ri m' thaobh. O! is minic a thuirt mi, a chuilein 's a ghaoil, bithidh thu fhathast ad chul-taic dhomhsa agus do d' athair bochd, a tha nis a' siubhal na beinne, a' smaointeachadh gu bheil a phaisde beo, 's gu'n togair e 'ga ionnsuidh mar bu ghnath leis a dheanamh ; ach mo chreach, 's mo leireadh ! cha togair. Is minic a thuirt mi, seasaidh tu d' athair agus do mhathair ann an la na deuchainn, duinidh tu ar suilean agus theid thu fo ar cinn do'n chill, ach cha bhi e mar sin. Tha mo bhlath boidheach air a ghearradh sios agus thuit mo dhochas maille ris. Gu dilinn, a riiin, cha streap thusa tuilleadh suas ri broilleach do mhathar, cha duisg do bhriagail bheag fonn mo chridhe. B' uallach mo cheum 'g ad ghiulan ancoinneamh d'athar mu fheasgar b' eutrom mo chridhe 'nuair a chithinn e tighinn, agus do ghairdeanan beaga sinte 'na chomhdail ; ach b' i sud an aisling ghearr. Am feadh 'sa bha 'n deo 's a' choluinn, bha m' uirnigh shuas air a shon, dh' amhairc mi chum nam beanntan siorruidh, ach cobhair cha d' thainig.

Stad, a Sheonaid, deir mise, na iabhair mar sin. Am bheil thu 'smaointeachadh nach d' rainig d' uirnigh cathair nan gras. Gu deimhin rainig chuala Dia thu agus rainig do ghearan, cha 'n e mhain cathair ach cridhe an Athar throcairich. Agus a Sheonaid, innseam dhuit, fhreagair Dia d' uirnigh. Ghuidh thu gu deimhin gu 'm biodh do leanabh air a chaomhnadh, ach thuirt thu 's an am cheudna, na b'i mo thoil-sa ach do thoil-sa gu'n robh deanta. Ghuidh thu gu 'n deanadh e mar chitheadh e 'na ghliocas fein iomchuidh agus rinn e sin 'na dhoigh agus 'na am fein. Cha b' ann idir an diomhain a dh' amhairc thu chum nam beanntan siorruidh. Cha do thionndaidh creidmheach riamh a shiiil an rathad sin an diomhain. Cha do dhruid Dia riamh suas a throcair chaomh an aghaidh na dream sin aig a bheil gradh dha, agus a chaoidh cha druid, oir is fuaire na sneachda nan sion gradh mathar d'a leanabh fein ann an coimeas ris a' gradh a tha aig Dia dhaibhsan a tha 'nam mic 's 'nan nigheanan dha.

24

O I deir Seonaid, nach robh cridheachan againn gu so a thuigsinn ann an la na deuchainn. Da rireadh thubhairt mi, A thoilsan gu 'n robh deanta, ach O ! cha 'n fhaod mi aiclieadii nach b'i durachd m' anma gu 'm biodh mo leanabh ailHdh air a ehaomhnadh.

Ciod an toil, a deir mise, a bu choir a bhi deanta do thoil-sa a thainig a dh' ionnsaidh an t-saoghail o chionn latha no dha agus ann an latha no dha a dh' fheumas fhagail, thusa a tha dall, aineolach gun fhios agad ciod a ta maith dhuit no esan a tha o shiorruidheachd gu siorruidheachd, nach urrainn ni sam bith a dheanamh ach na tha maith agus na tha chum maith; agus d'am buin caoimhneas agus gradh, iochd agus gliocas, gun tomhas agus gun chrioch.

Gu cinnteach, fhreagair ise, tha sin fior, ach b'e mo mhiann gu 'n robh mo leanabh air a ehaomhnadh.

Tha sin, a deir mise, ro nadurra, ach thoir so leat, gu 'm b'e do mhiann-sa a chumail anns an t-saoghal bhochd, bhuaireasach so far am bheil peacadh, mulad, is bas. Ma dh' fhaoidte gu 'ra b'e so airde d' iarrtais agus suim do ghraidh da thaobh : ghradhaich Dia e na bu mho, cha do chailleadh idir do leanabh, thug e fein leis e do thir an aigh. Fo iarmailt a tha ni 's aillidh na tha OS cionn an t-saoghail thruaigh so, dh' ath bheothaich e lochran a bheatha, agus tha e nis a' soillseachadh 'na reult ard nach miichar a chaoidh. "A leinibh bhig," deir mise, " thus' a bha o chionn ghoirid a' plosgadh fo iarguin bais, tha thu nis ad aingeal fa chomhair cathair na gloire."

Phaisg mathair an leinibh a da laimh, dh' amhairc i suas le aiteas ciuin, striochdta, ged a bha na deoir fhathast a' tuiteam gu frasach.

"O !" a deire ise, "ma tha e mar sin ?" Tha e mar sin, fhreagair mise, oir is e beul na firinn a thubhairt, (Tan leithidibh so tha rioghachd nciinh. Esan a thog na leanabain bheag 'na uchd agus a bheannaich iad, 'se labhair na briathran solasach sin agus 's i chainnt an diugh riutsa. An ni so a rinn mi cha tuig thu an trath so ach tuigidh tu e 'n deigh so. Nam biodh an leanabh air fhagail agadsa, am b' urrainn duit a radh ris, cha ghuil thu a chaoidh, thad'amhghair gu brath seachad, agus bron no mi-ghean cha 'n fhiosraich thu gu dilinn. Am b' urrainn duitsa ni sam bith a leigeadh ris dha 'san t-saoghal so, cosmhuil ri gloir Dhe agus an Uain? So uile rinn Dia air a shon agus am bi thusa a' caoidh mar neach gun dochas.

Feuchaidh mi, deir ise, ri bhi striochdta, cuidichidh an Comfhurtair mor mi. O ! c' ait' an deachaidh mo chreidimh. A' cheud uair anns an do chaireadh an naoidhean ann am uchd, agus anns an do dhuisg mo thaingealachd

dhasan a thug dhomh leanabh beo, b' e mo ghuidhe durachdach gu 'm biodh e 'na leanabh do Dhia agus is iomadh uirnigh de 'n t-seorsa cheudna sin a chuireadh suas o'n am sin as a leth ; agus as am bi sinne 'gearan gu 'n do ghairmeadh air falbh e. Cha do gheall Dia dhomh aireamh bhliadhnachan dheth. Bha gradh agam ort, mo leanabh ; bha gradh mor agam ort, ach esan a bhuilich orm e, ghairm e nam e, Gu ma beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Ghairm, arsa mise, agus tuigidh tu fhathast gur h-ann 'an caoimhneas a chaidh sin a dhean- amh. Is dbcha gu 'n do shocruich thu do chridhe ro mhor air an leanabh so, agus bha fhios aige-san a thug uait e nach biodh tu mar bu choir dhuit gus am biodh do chridhe gu h-iomlan aige fein.

Agus bithidh mo chridhe aige, deir ise, 's i 'g eirigh agus a sgaoileadh brat eutrom thairis air aogas an leinibh. Is trie a smaointicheas mi ort-sa agus air an duthaich shona gus an deach- aidh tu. Agus, O ! an e nach faod mi an dochas ait sin arach, gu 'm bheil thusa, ailleagan m' anma dluth dhomh air amannaibh, ged nach leir dhomh thu le m' shuil. Ma tha mo leanabh 'na aingeal, nach luchd frithealaidh iad uile air oighreachan a' gheallaidh.

Anns a' cheart am so thainig Ailean coir a stigh, chual e mar thachair. " Tha gach ni gu maith," deir esan " 's e Dia a thug so mu 'n cuairt " Buidheachas d'a ainm a thug dhuinn, 'ainm - san gu robh air a ghlorachadh a thug uainn.

An deigh beagan seanchais a bhi agam riu, agus ar n-uirnigh a chur suas le cheile, dhealaich mi riutha. Gu 'n tugadh Dia gu gach neach a leughas an sgeul so an t-aigne ceudna 'bhi aca ann an la na deuchainn.

LAOIDH DHEALACHAIDH.

'Thoir dhomh comhara air mhaith.'

Dhia, mu 'n dhealaich sinn bi tabhairt Dhuinn gu grasmhor, graidh gun dith ; Beannaich d' fhacal 'chaidh a labhairt ; Beatha builich oirnn, is sith ; 'S nuair a thilleas sinn do 'n t-saogh'l, Biodh ar cr'idh' ad chomuinn gaoil ;

Thoir dhuinn stiuradh

'S dion o chiurradh, Gus an ruig sinn lanachd mhdr Do chuid naomh, gu h-ard an G16ir. Amen.

1 1

4

Air. 7.

1909.

FRADHARC SPIORADAIL.

Tamull beag agus chdnfhaic sibh mi, agus a ris, tamull beag agus chi sibh mi. Eoin xvi., 19.

Tha e coltach nach do thuig na deisciobuil am facal so 'nuair a chual iad e an toiseach. Thuirt iad ri cheile, Ciod e so a ta e 'g radh. Ach ged nach do thuig iad e, cha dh' fheoraich iad do Chriosd ciod a bha e ciallachadh. Faodaidh gu robh iad an duil gu'm biodh e ro dhana dhaibh sin a dheanamh, no gu'n robh eagal orra gu'n cluinneadh iad rud nach cordadh riu. Beagan roimhe so thoisich esan air innseadh dhaibh nach gabhadh an crann ceusaidh seachnadh, 's gu feumadh e fulang fo lamhan nan sagairtean 's an luchd riaghlaidh. B'e sin seanchas a bu lugha air na deisciobuil, oir bha 'n cridheachan an ceangal ris cho mor 's nach duraichdeadh iad iomradh a chluinntinn air dealachadh, agus faodaidh gur h-e a chum samhach aig an am so iad eagal a bhi orra gu 'n toisicheadh e air labhairt mu 'bhas.

Ach bu leir do Chriosd ciod a bha 'nan cridhe, agus thubhairt e riu, am bheil sibh a' feoraich 'nur measg fein mar a thubhairt mi, Tamull beag agus chi sibh mi ? Ged nach do chuir e solus air an dearbh fhacal a bha 'na chnap starra dhaibh, labhair e briathran eile a thug fois d' an inntinn.

Am bitheantas tha e ni's usa dhuinne nach faca Criosd riamh 's nach cual a ghuth a bhriath- ran a thuigsinn no bha e do na daoine ris an robh iad air an labhairt. Tha sinn 'nar n-oigh- reachan air eolas is gliocas nan da mhile bliadhna a chaidh thairis o chualas a ghuth. Is urrainn sinn sealltainn air ais air eachdraidh a bheatha mar nach b'urrainn do na h-abstoil. Fhuair sinne 'na iomlanachd am foillseachadh a fhuair iadsan uigh ar n-uigh mar b' urrainn iad a ghiulan. Cha chuir na briathran a labhair e mu 'bhas eagal oirnn mar chuir iad eagal air Peadar, oir tha fios againn ciod a tha dol a thachairt, agus tha sinn cinnteach nach gleidh an uaigh e, 's gu'n eirich e an tri laithean le buaidh is beatha. Tha a theagasg 'nar lamhan gu h-iomlan, agus is urrainn sinn aon fhacal a choimeas ri facail eile, air chor 's gu bheil iom- adh facal a bha 'na radh dorcha do na h-abstoil soilleir gu leoir 'nuair a sheallas sinn orra ann an solus na codach eile de theagasg Chriosd, agus a

reir Spioraid an Tiomnaidh Nuaidh. A thuill- eadh air sin, fhuair an eaglais tiodhlac an Spioraid Naoimh mar thoradh obair Chriosd air thalamh, agus tha an Spiorad 'ga treorachadh ceum air cheum chum gach uile fhirinn. Tha solus aig creidmhich an latha diugh nach robh aig an eaglais ann an laithean a leanabachd, agus tuigidh iad nithean a bha gle dhorcha do na h-abstoil 'nuair a labhair Criosd iad riu an toiseach.

B'e am facal tamull beag a bha 'na dhuileadas do na deisciobuil. Cha robh fios aca ciod a dheanamh iad dheth, no ciod an uine a bha e ciallachadh. Tamull beag agus cha'n fhaic sibh mi, agus a ris, tamull beag agus chi sibh mi. Bha e dhaibh mar gu'm biodh tomhseachan nach b' urrainn dhaibh fhuasgladh, agus mu dheireadh thubhairt iad Cha 'n 'eil sinne a' tuigsinn ciod a ta e 'g radh. Tha sinn an duil gur h-ann 's na facail faic agus chi a gheibhear an iuchair a dh' fhuasglas an tomhseachan, 's nach h-ann 'san fhacal tamull beag. Faodar an smuain a labhair Criosd aig an am a chur anns an doigh so Sia seachduinnean 'na dheigh so cha'n fhaic sibh mi gu corporra, ach sia seachduinnean 'na dheigh so chi sibh mi gu spioradail. Mar gu'n abradh e riu, Ged tha sibh 'g am fhaicinn an drasd le suii ur cuirp, tha mo ghloir folaichte oirbh. Cha 'n fhaic sibh lanachd mo ghloire gus an caill sibh sealladh orm le 'ur suilean 's an toisich sibh air mo lathaireachd fhaireachduinn gu spioradail. Bha e cur 'nan cuimhne gu'm bu bhuannachd dhaibh esan a dh' fhalbh, oir ged a rachadh e as an t-sealladh ann an aon seadh, bhiodh e ni bu dluithe dhaibh ann an seadh eile. Cha robh anns an t-sealladh a fhuair iad air ann an laithean fheola ach earlais de'n ghloir, gheibheadh iad eolas a b' airde agus sealladh a bu mhaisiche an deigh dha bhi air ardachadh.

Ged nach faicear Criosd an diugh le suil duine, tha e comhnuidh an cridheachan chreid- mheach, agus tha a lathaireachd aithnichte dhaibh le ministreileachd an Spiorad. Tha iad cinnteach gu bheil e ann an daimh cho dliith dhaibh 'sa bha e do'n da fhear dheug 'nuair a choisich iad maille ris air raontan Ghalile. Air uairean, bidh sinn a' saoilsinn gu'm biodh eolas a b' fhearr againn air Criosd nam faca sinn e le'r suilean mar a chunnaic Peadar is Eoin is Tomas, 's gu'm biodh e ni b' usa creidsinn ann nan robh e fhathast 'san t-saoghal. Ach cha b'e

26

sin beachd Phoil. Is e thuirt esan, Ged b'aithne dhuinn Criosd a reir na feola, gidheadli a nis cha 'n aithne dhuinn e ni's mo. Mar gu'n abradh e, Tha aithne againn air ann an doigh a's fhearr, agus tha fianuis an taobh a stigh dhinn gu bheil e beo 's gu bheil e maille rinn. Chunnaic moran dhaoine Criosd le 'n suilean nach do chreid gu'm b' esan Mac Dhe is Slan- uighear an t-saoghail.

Ged a chunnaic iad e le suil an cuirp bha iad dall gu spioradail, 's cha 'n fhac iad a ghloir. Chunnaic iad aghaidh, is chual iad a ghuth, ach 'nuair chaidh e as an t-sealladh bha e dhaibh mar neach marbh. Ach tha na miltean a' faicinn Chriosd an diugh anns an t seadh a's airde nach faca riamh aodann, 's nach cuala fuaim a ghutha Tha iad cho cinnteach as a lathaireachd 's a tha iad cinnteach gu bheil anail na beatha annta. Tha Criosd a' comhnuidh annta, dochas na gloire. Tha an Spiorad Naomh a' deanamh fianuis maille ri'n spiorad fein 's cha 'n urrainn dhaibh teagamh a chur anii. Tha 'n fhianuis an taobh a stigh dhiu, 's cha 'n iarr iad an tuilleadh dearbhaidh. Ged nach faca iad Criosd le'n suil tha iad a' toirt graidh dha, agus ged nach 'eil iad a nis 'ga fhaicinn, air dhaibh bhi creidsinn ann, tha iad a deanamh mor ghairdeachas le h-aoibh- neas air dol thar labhairt. Anns an t-seomar uachdrach luidh an tabstol Eoin air uchd losa agus saoilidh sirn nach b'urrainn creidmheach air bith faotainn cho dluth do'n Mhaighstir 's a fhuair Eoin an oidhche ud. Chunnaic e le shuilean, agus chual e le chluasan, agus laimh- sich e le lamhan Facal na beatha. Ach ma leughas sinn na leabhraichean a sgriobh Eoin iomadh bliadhn' an deigh bas Chriosd, chi sinn gu robh e cho cinnteach a lathaireachd an t- Slanuigheir ann am Patmos 's a bha e ann an Galile, 's gu robh e faireachduinn gu'm bu bhuannachd dha falbh Chriosd a chionn gu'n d' thug an dealachadh corporra aithne dha air Criosd ann an daimh a bu dluithe 's ann am ministreileachd a bu bhuadhmhoire an dh'fhios- raich e riamh roimhe sin.

Fosgail a Dhe /no shitilean chum gu faic mi do ghloir. Tha'n uirnigh sin freagarrach do na h-uile. Tha seorsa seallaidh a dh' fhaodas a bhi aig daoine air Criosd nach toir dhaibh a bheatha mhaireannach. Chunnaic sibh mi, thuirt e fhein uair-eigin, ach cha do chreid sibh. Ann an duthaich Chriosduidh mar tha 'n duth- aich so, tha mhor chuideachd eolach air a theagasg o laithean an oige. Chual iad iomradh air a bhreith, air a bheatha, 's air a bhas, leugh iad cunntas air na rinn 's na dh' fhuiling e, air chor 's gu bheil, iad ann an aon seadh, cho eolach air 's a tha iad air duine sam bith a's aithne dhaibh 's an fheoil. Ach ged a tha 'n t-eolas so aca cha 'n aithne dhaibh e anns an doigh a bha Pol a' ciallachadh 'n uair a thubhairt e A ta mi

beo, ach cha mhise, ach Criosd a ta beo annam, agus a' bheatha a ta mi nis a caitheadh 's an fheoil, ta mi 'ga caitheadh tre chreidimh Mhic Dhe. Chual iad le'n cluais, ach cha do chreid iad le'n cridhe, 's cha 'n fhac iad fhathast an Righ 'na mhaise. Cha do bhlais iad air an son fhein maitheas agus trocair Dhe. Is e na daoine a ta faotainn sealladh fior air Criosd, iadsan a chual a ghuth a labhairt riu gu pearsonta, Imich ann an sith tha do pheacadh air a mhaitheadh dhuit. Tha Criosd a tigh'nn 'g ar-n ionnsuidh mar neach a's urrainn saors' is sith is neart a thoirt dhaibhsan a tha fo throm uallach a pheac- aidh, agus gus an creid sinn gu'n d' thug Dia an t-ughdarras sin dha, cha 'n fhaigh sinn gu brath an sealladh sin air a fhuair na h-abstoil 's na naoimh eile. An ti a chi am Mac agus a chreid- eas ann, tha bheatha mhaireannach aige. An ni a tha 'n t-suil do'n chorp tha creidimh do'n anam. Far a bheil creidimh beo, bidh sealladh, air gloir Chriosd.

losa, 'se smuaineach ort gun tamh

A chuireas blaths am chridh';

Ach 's fhearr bhi faicinn d'aghaidh ghraidh

'S ad lath'r a' mealtainn sith'. Is beannaichie iadsan a thoisicheas air esan fhaicinn a bhos. Thig iad air an aghaidh ann an eolas 's an tuigse spioradail, gus mu dheir- eadh am bi aithn' aca air mar a ta aithne aige orra. Cha toir am bas uapa am fradharc ach bheir e as an rathad an sgail a tha eadar iad agus lanachd gloir Chriosd. Chi iad e mar a ta e ann an iomlanachd a mhaise. " Ni a sheirbhisich seirbhis dha agus chi iad aghaidh."

BROCHAN-BUIRN.

(Bha so air a chur thugainn le bean a mhuinntir Earra- ghaidheal, Mrs. K. W.Grant. Tha sinn 'ga thoirt d' ar luchd leughaidh mar a thainig e o 'l^imh).

Tha e air a radh gur iad na h-Albannaich, na h-Eadailtich, agus na Roumanaich, na tri cinnich 'san Roinn-Eorpa a tha tighinn beo air brochan, 'se sin ri radh, tha e aca mar Ion lathail, agus 'an cuid mhor 'an aite arain.

Ach tha dream eile, thall 's a bhos air feadh nan rioghachdan, aig am bheil brochan a dh'aon seorsa no seors' eile, aig gach trath ; agus aig nach 'eil builionn a dh' aran cruithneachd air a bhdrd latha sam bith eadar da cheann na bliadh- na. 'S iad sin : Sluagh Ober-steier-marc, dlilth air Bhienna, ceann-bhaile na h-Austria, pobull Charintia, agus luchd-aiteachaidh na Tirol 'an iomadh cearn.

Tha muinntir Ober-steier-marc a' bhleith nan cnothan-faibbil (beech nuts) agus a' deanamh

27

brochain de'n mhin, agus'ga ghabhail, le bainne plumaichte, an da chuid moch is anmoch. Aig meadhon-latha tha iad 'g a ghabhail le brot, no feoil. 'Se sterts a their iad ris.

Tha brochan 's an Eadailt air a dheanamh de mhin Innseanich. 'S & polenta their iad ris.

Thachair e gu 'n d' thug mo gbnothach mi, o chionn aireamh bhliadhnachan, do na diith- channa sin, 'an ear-dheas na Roinn-E6rpa, agus bha toil agam am brochan aca a bhlasad. Dh' iarr mi a thoirt domh air an d6igh abhaisteach. An aite fhaighinn 's a mhaduinn, le bainne, mar a bha fiughair agam, b' ann aig am dinneir, leis an fhebil a chuireadh air a bhdrd am polenta. Cha robh e cho tais ri brochan min choirce, mar is abhaist duinn fhaighinn. Bha e air a thionndadh a mach air trmnseir, as an t-soitheach 's an robh e'n toiseach, agus b'ann leis an sgithinn a ghearr mi bloigh dheth. Chord e rium mar nach b' olc. Tha mi 'creidsinn gu 'm fasainn toigheach air ri {line. Goirid 'na dheigh sin chunnaic mi luchd- diithcha Roumania a' suidhe sios gu 'm biadh. Bha mu dha-fhichead a dh' 6igridh as na criochan beanntach air tfearnadh do 'n chomhnard gus na fion-dhearcan a thrusadh. Cha robh iad a' faotainn ach da thrkth 's an latha, a cheud tr^th aig da-uairdheug, agus an dara trath aig sea uairean, an deigh sgur d' an obair. B'i bean fear- gleidheadh an fhion-lios a dh' ullaich am biadh, agus a sgaoil an da bh5rd taobh a mach an tighe. B'iad an da bh6rd, le deich de'n luchd-trusaidh air gach taobh, da leth de stoc fhada ghiubhais, a bh' air a sgoltadh o cheann gu ceann. Bha iad air an leagadh air an lar, leis an taobh mhin an uachdar. Mar sin cha robh feum air cathraichean. Aig an da thrath bha fe6il, cal, no tuirneap bhruich, agus trinnsear brot an t-aon, air an cur sios; le deagh sgonn mamallga, an ait' arain, laimh ris gach trinnsear, do 'n luchd-oibre.

B' ann de mhin-Innseanach, air a bleith na bu ghairbhe no 's an Eadailt, a bha 'm brochan sin air a dheanainh. 'S e coirce-turcach a theirear ris a choirc- Innseanach, air tlr-mor na Roinn Ebrpa. Bha 'm brochan, a reir coltais a' cbrdadh ris a mhuinntir 6ga sin, oir cha robh mir air fhagail deth ; bha iad laidir, fallan, sunndach aig an obair, agus aighearach, ceblmhor an d^igh sgur.

Ach 's e 'm brochan Albannach, brochan na min-choirce, d' am bheil an cliu air sgaoileadh gu iomall an domhain. Tha mbran de na Sasunnaich air tionndadh ris. Gheibhear e mai cheud biadh-maidne air na bataichean briagh' againn, a tha ruith do gach port air an t-saoghal.

Tha min-choirce Dhuneidinn agus lonar-air a'dol adh' Africa mu Dheas, a chumail brochain ris na h-Albannaich a tha 'n sin. Tha e air a chur 'am bocsaichean a dh' iarann-geal a chumas mu thuaiream clach mhine.

Tha muinntir Australia a faighinn na min- choirce a taobh deas New Zealand. Tha iad 'ga measgadh le min-chruithneachd, tha leb gu 'm bheil i ro laidir, teth air son na fala, leatha f hein. Tha iad a' gabhail a bhrochain le siucair air, cho math ri bainne.

Bha linn ann, ach tha i air dol thairis, anns an do thogadh na h-Albannaich, 'an cuid mhbr, air a' bhrochan Tha 'n sean-fhacal fathast air aithris 's an Taobh-tuath,

Lit' is lagan biadh duine laidir; Aran is caise biadh duine lag :

Bha sin a' ciallachadh gu 'n cumadh brochan, no cabhruich, le bainne, beatha gu fallain ann- an duine ; b'e ailghios, no laigse, a bheireadb air duine biadh eile a' mhiannachadh ; cha sireadh e eadhon aran no caise, nithe nach dean daoine as eugmhais 's na laithean againne.

B' e brochan anns an seasadh an spain a bhiodh aca 's an am sin ; brochan, mar a gheall an tuathanach do 'n sgalaig an uair a chuir e muinntearas air " brochan nach toireadh an lair ghlas a casan as."

Ach bha tuilleadh no aon sebrsa brochain againn 's a Ghaidhealtachd. Cha b'e brochan buirn a bh' againn daonnan. Tuigear sin air a chrbnan aig a' bhanaltruim a' cur an leinibh a chadal :

Brochan biiirn, brochan buirn, Brochan biiirn gheibh mo leanabh ; 'Nuair a bheireas an crodh-laoigh Gheibh mo ghaol brochan-bainne :

Tha cuimhn' agam air a bharail ard a ghabh fear-oibre araidh air fialaidheachd mo mhathar. a chionn gu 'n d' thug i dha " brochan bainne, agus baimie lets 1" Cha d'fhuair e 'leithid riamh roimhe.

An uair a dh'iarr ar sean Bh^'righinn ghaolach nach maireann brochan fheuchainn, a cheud uair a thainig i do 'n Ghaidhealtachd, dhiult i uachdar a ghabhail leis : " Cha 'n 'eil feum aig air," ars' ise, " tha e math gu lebir as eugmhais." Cha b' ionnan 's iadsan nach urrainn a ghabhail gun siucar cho math ri bainne.

B'e brochan-meig 'a bu docha leamsa, gu sonruichte na 'm biodh car beag 's a mheag. An uair a bha sinn 'n ar cloinn, bhiodh e againn a h-uile feasgar, fhad 'sa bha'n caise 'ga dheanamh. 'Nuair a thachradh mule de 'n ghrudh oirnn 's a bhrochan, bheireamaid glaodh toileachaidh, agus nochdamaid e d'a ch^ile.

B'e dubh-brochan a rachadh a thoirt duinn na 'm biodh fuachd againn. 'S e sin, deoch tana, air a bhruich gun a mhin-choirce a fhliuch- eadh roimh-laimh le bainne.

Tha brochan air a dheanamh cor - uair le bainne-goirt ; aon chuid gu cail duine 'thoirt air ais ; no gu muineal goirt a ghlanadh 's a leigheas.

28

Bha aon seors' eile ann de bhrochan na min- ■choirce, b'e sin am brochan a bh'air a dheanamh de mhin a bh' air a bleith 's a bhrath. Bha e air leth mills, cubhraidh.

Bha 'n siol air a chruadhachadh ann am poit, OS ceann an teinidh. Bha e'n sin air a shuathadh, a thoirt na cath dheth, agus air a bhleith leis an laimh 's a' bhrath. B' iad na mnathan, am bitheantas, a' bhleith e

Theirte, brochan-brathan, ris 'an Earaghaidheal; am feadh a theirte, brochan-uaraidh ris 's an Taobh-tiiath. 'S e brochan-tioraidh a bh' anns a' bhrochan a rinneadh de mhin choirce an uair a bha 'n siol air a thioradh 's an ath, agus a mhin air a bleith 's a mhuiUionn

" Brochan-tioraidh ; brochan-tioraidh ;

Brochan-tioraidh do mhac-m6r !

Gu 'm bu laidir ; gu 'm bu laidir ;

Lan a mhaileid do mhac-mbr ! Tha 'n tea, aran cruithneachd, rudan milis, agus annasan a tirean cein, air caochladh mor a thoirt mu 'n cuairt do thaobh Ion lathail sluagh na h-Alba. Ach tha 'n ddchas ri altrum, nach bi sinn gu brath air cho beag c^ill gu 'n cuir sinn cul ri biadh glan, fallain, neartmhor ar duthaich; biadh nadurra ar tir ; 's e sin Brochan-biiirn na min-choirce.

K. W. G.

AN CAOGAD. {Bha so ah- a chur thugaifin le "Fionn."'

Cha 'n 'eil da leabhar Gaidhlig ann air an eol- aiche na Gaidheil na am BiobuU agus an Leabhar Shalm agus an deigh so uile na'n rachadh a' cheisd fhe6raich "C'iamar a fhuair sinn an da leabhar sin ?" is e mo bheachd nach bitheadh an fhreagairt ach gu math cearbach. Theireadh a mhbr chuid gu 'n d'fhuair sinn am BiobuU Gaidhlig o lamhan an Olladh Urramaich Iain Stiubhart a bha 'n Lus, agus gur e an t-Ollamh Urramach Iain Smith a bha'n Ceannloch-Chille- Ciarain a dh' eadar-theangaich na Sailm gu Gaidhlig.

Feuchaidh sinn ri beagan mineachaidh a thoirt air a chuis so. I-eis gur e'n Leabhar Shalm a fhuair sinn an Gaidhlig an toiseach bheir sinn cunntas aighearr air a liuthad eadar- theangachadh 'sa chaidh a chur an lamhan an t-sluaigh. Faodaidh sinn a radh gu 'n deach- aidh na Sailm eadar-theangachadh cbig no sfe dh' uairean.

Ged IS e an t-Urramach R. Kirk a bha na Mhinistear aig aon am ann am Bochuidir, agus 'na dh^igh sin aig Abarphuill, a rinn a cheud eadar-theangachadh Gaidhlig air na Sailm gu h- iomlan, is e Seanadh Earraghaidheal a thug a cheud oidheirp air na Sailm a thoirt do na

Gaidheil 'nan canain fhein ann an rian bardachd. Bha so anns a' bhliadhna 1659, ach sfe bliadhna roimhe sin chaidh buidhean a chur air leth air son a' ghnothaich so. Cha deach aca ach leth-cheud Salm a chur an rian fonnar bhardail agus chaidh iad so a chl6-bhualadh fo'n ainm "An Caogad"' a' ciallachadh leth-cheud. So agaibh leth- bhreac clar an leabhair

■' An Ceud Chaogad do Shalmaibh Dhaibhidh,

Ar a dtarring as an Eabhra, a Meadar Dhana Gaidhilg : Le Seanadh Earraghaoidheal. Neoch a dorduigh an seinn a Neaglaisibh, agus a Dteaghlichaibh, a ghnathuigheas an canamhain sin is na criochaibh ceudna, Col. iii., 16. Biodh facal Chriosd na chomhnuidhe iomuibh gu saidh- bhir 's a nuile ghliocas ar dteagasg, agus ar munadh dhaoibh a cheile a Shalmaibh agus a bhfonnaibh molte De, agus a geanticibh spiorad- alta ag deanamh ciuil don Tighearna le gras ann bhur gcriodheadhaibh. Do chuireadh so a gclo a Nglasgo, le Aindra Ainderson n' Mbliadh- anna ar Dtighearna, 1659. '

Ann an earail "Do chum an Leghthora" tha an t-Seanadh a mineachadh mar tha na Sailm ri bhi air an seinn ann an seirbheis an Tighearna. Tha iad ag aideachadh gu'n robh an obair duil- ich, agus leis gu 'm b'e so a cheud oidheirp air na Sailm a chur anns an rian so gu bheil fhios aca nach 'eil i saor o mhearachdan. Tha an Earail a criochanachadh mar so "Anois, a Leghthora, deunse ditcheall ann san obair bhigse bhuilinghadh gu maith, agus guidh air an Tigh- earna e fein do bheannughadh an tshoisgeil anns na tirthaibh gaoidhlaschsa, agus lasair sholleir lan teasa do dheanamh don tsraid bhig do lasadh cheana ionta. Gras maille riot."

So mata a' Cheud Salm mar agheibheir ianns " A' Chaogad," agus chi ar luchd leughaidh gu bheil an dbigh air a bheil i air a clo-bhualadh eadar - dhealaichte o 'n doigh anns a bheil Gaidhlig na h-Alba air a clo-bhualadh a nis.

Salm I.

Beannaigh an duine sin nach gluais a ngcomh-

airl' dhaoine daoi, An 'slighe fhiar na mpeacach bao na sheasamh

fos nach bi. A ngcathair fanoid luchd an spors' nach togair

suidh gu brath,

2 Achd gabhail toil do naomhreachd De ga

smuaintiug adh oidhch, is la.

3 Mar chraoibh is amhlaidh beithann se gcois

aibhne fks ata. Do bheir na haimsir toradh trom, gun duille

chall no bliUh. Is soirbhidh leis gach ni do ndean,

4 ni hamhluidh sin ata

Na daoine peacach achd mar mholl, dol leis a ghaoi, no cha.

FlONN.

i

I

I

1^

I

M

Air, 8.

1909.

AN DEARBHADH.

Thuirt na Greugaich, Bu mhiann leinn losa fhaicinn. Eoin xii. 21.

Thuirt losa, A nis iha ?;;' aiiam fo amhghar, agus ciod a their mi. Boin xii. 27.

Ged is ann gu sluagh Israel a thainig Criosd an toiseach, rainig fuaim a theachd na Cinnich mar an ceudna Thainig iad 'ga fhaicinn 'nuair a bha e 'na leanabh anns a' chreathaill, agus bha cuid dhiu maille ris 'nuair a thilg e 'n deo air a' chrann-ceusaidh. Aig uair a theachd thainig Cinnich eagnaidh o iomall an domhain le tabh- artas luachmhor, a' coimhlionadh an fhacail a bha sgriobhta "Thig cinnich a dh' ionnsuidh do sholuis agus righrean a dh' ionnsuidh do ghrian-eirigh." Agus a nis 'nuair a bha feasgar a bheath' a' ciaradh, 's an t-ara a' tarruing dliith anns am biodh e air a thogail suas o'n talamh, thainig Greugaich 'ga ionnsuidh le tabhartas a bu luachmhoire no or is tuis is mirr. Ann an teachd nan Cinneach chitear a' cheud chomh- aradh gu'n tig an latha fhathast anns am bi ughdarras Chriosd air aideachadh, cha 'n ann le aon treubh no le aon duthaich, ach le uile shluagh an t-saoghail. "Mise, ma thogar suas o'n talamh mi,tairngidh mi na h-uile dhaoine am ionnsuidh." Co iad na Greugaich so, no ciod an gnothuch a thug gu Criosd iad, cha 'n 'eil e furasd a radh. Tha fear de na h-athraichean a bha 'na dheagh sheanachaidh ag innseadh dhuinn gu 'm bu theachdairean iad o Abgarus a bha 'na Righ ann an Edessa. Bha an righ tinn, 's chuir e fios air losa feuch an leighseadh se e. Ma 's fior an seanachaidh, b'e so an litir.

" Tha Abgarus, Prionns' Edessa, a' cur failt air losa, an Slanuighear caomh a tha comhnuidh an criochaibh lerusaleim. Tha e air a radh gu bheil thu toirt am fradhairc do na doill, is comas nan cas do na bacaich, a' glanadh nan lobhar, 's a'tilgeadh a mach spiorada neoghlan, a' togail dhaoin' o na marbhaibh 's a toirt slamte dhaibhsan a bha euslan. 'Nuair a chuala mi iomradh air na nithean so, thuirt mirium fhein, An darna cuid, is tu Dia a thainig a nuas o neamh 's a ta deanamh na nithean so, no is tu Mac Ohe. Air an aobhar sin tha mi a' guidh' ort tigh'.nn thugam feuch an leighis thu mo ghalair. Chuala mi gu bheil na h-Iudhaich air tionndadh ad aghaidh, "s gu bheil iad air son cur as duit. Gabh comhnuidh maille riumsa, oir ged nach 'eil mo bhaile mor, tha e aluinn, agus is leor e dhuinn le cheile."

Tha an seanachaidh ag radh gur he am fios- freagairt a chuir losa gu Abgarus, gu 'm feumadh

e fantuinn an lerusalem gus an criochnaicheadh a an obair a thug. Athair dha ri dheanamh, ach an deigh dha eirigh o na marbhaibh, gu 'n cuireadh e fear de na h-abstoil a thoirt slainte do 'n righ 's d'a shluagh.

Ach a reir cunntas eile a fhuaras o na h-athraichean, cha b' ann bho righ no cuirt righ a thainig na Greugaich ud. Thainig iad 'nan deoin fhein, chum los' a shaoradh o lamhan a naimhdean. Chual iad iomradh air a theagasg, air a ghliocas, air a chiune, air a bheatha naomh ; agus ged nach robh annt' ach coimhich do chomh - fhlaitheachd Israel agus coigrich do choimhcheanglaibh a' gheallaidh, bha an coguis a' toirt urraim do dhiadhaidheachd losa, agus cha bu mhaith leo gu'n deanteadh eucoir air, nan gabhadh sin seachnadh. Bha meas aca air firinn is ceartas is maitheas, agus is e sin a thug orra dol eadar Criosd 's a luchd duthcha fein. Chual iad gu robh na h ludhaich ag iarraidh a chur gu bas, 's gu robh e coltach nach b' fhada gus am faigheadh iad run an cridhe, mur deanteadh dealbh air chor-eigin air a shaoradh o lamhan. Chuir na Greugaich romhpa dol 'ga ionnsuidh 's a chunnart innseadh dha. Dh' iarr iad air lerusalem fhagail, 's dol comhla riusan d'an duthaich fein, far am faigheadh e cairdeas is aoidheachd nach d' thug a dhaoine fhein dha. Thuirt iad ris nach ruigeadh e leas a bheath' a thilgeadh air falbh, oir gu'n tugadh iadsan fasgadh dha 'nam bailtean, ged a chuireadh na hTudhaich cul ris. Fhreagair losa :

A nis tha in anam fo amhghar, agus ciod a their mi ? An abair mi, Athair, saor mi o'n uair so. Cha abair, oir is ann air a shon so a thainig mi chum na h-uaire so. Athair, gloraich f atnm.

I. Ged a bha na Greugaich a' ciallachadh caoimhneas a nochdadh do losa, chuir iad buaireadh 'na rathad. Cha robh olc 'nam beachd, ach is maith do 'n t-saoghal nach do ghabh e an comhairle. Anns an fhasach corr is da bhliadhna roimhe so dhiult e eisdeachd ri cuilbheartan Shatain, agus rinn e suas inntinn nach b' urrainn e an saoghal a thearnadh nan tearnadh se e fein. Fad laithean a mhinistreil- eachd bha guth an t-saoghail ag radh ris gu faodadh e Calbhari a sheachnadh, agus rioghachd Dhe a chur air chois air dhoigh eile ; ach chunnaic e gu soilleir nach robh sin coraasach, 's gu'm feumadh e a bheath' a thoirt seachad chum an saoghal a chosnadh. "Mur faigh an grainne cruithneachd a thuiteas anns an talamh

30

bas, fanaidh e 'na aonar, ach ma gheibh e bas, bheir e toradh mor uaith." Eoin xii. 24. Bha na h-abstoil, 's a chairdean, 's an sluagh uile, de'n aon inntinn nach ruigeadh losa a leas fulang air a' chrann-ceusaidh, 's gu faodadh obair na rioghachd a bhi air a criochnacha'.lh gun dortadh fala. Bha iad ag innseadh so diia gun sgur, 's ag iarraidh air an comhairle ghabhail. An iogh- nadh ged a thigeadh teagamh 'na chridh' air uairean, 's gun abradh e ris fein Nach faod e bhith gu bheil iadsan ceart is niise cearr ! B'e so am buaireadh sonruichte a thainig gu losa an drasd 's a rithist a?i ioma-cJiomhairk aims an robh e eadar comhairle dhaoine ugiis comhairle a chridlie fein, eadar solus an t-saoghail agiis an solus a thug Dia dha. Ach ged a bha fheoil air uairean an impis failneachadh, 's ged a rahiann- aicheadh a geill a thoirt do dhaoine, 's fulangas a' bbais a sheachnadh, bha solus inntinn is gradh a chridhe fein 'ga cho-eigneachadh gus an cupan searbh 61. Bha e 'na aonar an aghaidh an t-saoghail, ach air dha a bhi dileas do ghuth. a chridhe fein seach eisdeachd ri guth dhaoin' eile, fhuair e buaidh air an t-saoghal, agus nochd e d'a-bhraithrean an t-slighe air an coir dhaibh imeachd. Iadsan a tha dileas do 'n t-sradaig bhig sholuis a tha 'nan cridhe fein, socruichidh Dia an ceumanna agus cuiridh e an casan air carraig.

n. 'Nuair a bha Criosd an ioma - chomhairle, rinn e uirnigh. Thainig an smuain gu inntinn gu faodadh e bhith gur h-e freasdal De a chuir na Greugaich 'ga ionnsuidh. An gabhadh e an cuireadh cairdeal a thug iad dha, 's an teicheadh e o 'naimhdean, no am fanadh e far an robh e gus an glacadh iad e ? Cha robh fios aige an toiseach ciod a theireadh e, agus labhair a an smuain a bha 'na chridhe, Tha m' anam fo amhghar agus ciod a their mi ? Rinn e an rud a rinn a daonnan 'nuair a bha'n t-slighe dorcha ; dh' iarr e solus is neart o'n airda. Cha 'n abradh a, Athair saor mi o'n uair so, ach rinn e uirnigh a b' fhearr 's a b' fharsuinge Athair gloraich f ainm. Cha 'n 'eil innt' ach tri facail uile gu leir, ach cha 'n ann a reir lionmhoireachd bhriathran a tha airidheachd uirnigh. B'e biadh is deoch Chriosd toil an Athar a dheanamh, agus is ann chum toil Dhe fhaotainn a mach a labhair e an uirnigh so. Fhuair e foillseachadh air ruintean an Athar nach d' fhuair neach eile riamh, agus nach faodar a radh gu'm b'e an t-aobhar air sin, CO dhiu ann an tomhas, gu robh co-chomunn cho dion 's cho dluth aiga ri Dia ann an uirnigh. Bhiodh e 'g airigh roimh latha los cothrom fhaotainn air uirnigh uaignich, 's an deigh d'a chompanaich dol a chadal bhiodh a mach air an raon a' glaachd ri Dia. Chunnacas a thoradh sin 'na bheatha. Chunnacas a thoradh air uair- ean 'na aodann. Bha sith Dha 'na chridhe a chionn gu robh ainm Dhe air a bhilaan- Foills-

ichidh Dia a thoil dhaibhsan a tha trie air an gluinean. Chi fear na h-uirnigh iomadh ni a tha dorcha d'a choimhearsnaich. Is e uirnigh an gloin-amhairc leis am faicear mais' is saoibhraas rioghachd Dha. Fhraagair Dia uirnigh a mhic mar a f hreagras e gach uirnigh f hior. Ghloraich e ainm fein, ann a bhi nochdadh dha na slighe, 's ann a bhi toirt dha neart is misneach gu cois- each oirra. Chunnaic losa nach robh ann an cuireadh nan Greugach ach buaireadh i^ir o'n t-saoghal, agus dhiult e imeachd air an t-slighe a chomhairlich iad dha. Bha leithid de dhearbh- achd aige gu robh e a' deanamh toil Dhe 's gu'n d' thubhairt e, "A nis tha breitheanas an t-saoghail so ann, a nis tilgear uachdaran an t-saoghail so mach."

III. Tha 'n uirnigh so a' teagasg ciod is coir dhuinn a dheanamh 'nuair bhios ar-n anam fo amhghar, 's a bhios sinn an ioma-chomhairle. Tha 'n fheoil anfhann, 's tha e nadurra do dhaoin' a radh A Dhe saor mi o'n chall so, o'n uailach so, o'n phian so, o'n duileadas so. Tha na briathran nadurra air bilean dhaoine, agus ma dh' fbaoite gu'n cluinnear iad gu trie air bilean feadhnach nach do rinn uirnigh eile riamh. Ach tha uirnigh a's fhearr agus a's neo-fheineilea dh' fhaodas sinn a radh Athair gloiraich f ainm. Mar gu'n abradh duine, Tha mi leagta ri d' thoil, O Athair chaoimh, oir tha mi cinnteach as do ghliocas 's do chaoimhneas ; nochd dhomh an t-slighe agus stiur mo cheum, agus fan fein maille rium. Tha seorsa graidh aig a' chuid a's raotha de dhaoine do naomhachd, do chiuine, do sheirce, do dh' irioslachd, 's do dh'fhaighidin agus bidh iad ag uirnigh moch is anmoch ri Dia gu'm fasadh na grasan spioradail sin annta, ach 'nuair a fhreagras Dia an uirnigh 's a smachd- aichaidh se iad chum toradh na fireantachd oibreachadh annta, toisichidh iad air gearan agus ni iad ceannairc an aghaidh a thoile. Is iomadh a h - aon a' s urrainn na briathran a sheinn

Dluth ort, mo Dhia, gu 'm bitKn?i Dluth, is na 's dluith.' nach h-urrainn misneach fhaotainn gus na facail eile a ghabhail air am bilean gu h-onorach Seadh, ged b'e ceusadhfein, Dh' ardaicheadh mi.

Is e iadsan a gheibh dluth do Dhia, na daoin' a cheusas an toil 's an fheoil, 's a ghearras dhiu am ball a tha 'na aobhar oilbheim. Is e 'ceus- adh fein' lagh na beatha spioradail, agus is e iadsan a ni sinn a gheibh buaidh air an t-saoghal. An ti a leanas raise, thuirt Criosd, togadh e a chrann-ceusaidh. Cha 'n 'eil an seirbhiseach os cionn a Mhaighstir, agus mar dh' eirich dhasan, tachraidh d'a dheisciobul. Cha 'n fhaigh duine dluth cho-chomunn ri Dia as eugmhais naomh- achd, cha bhi duine naomh gun ghlanadh, agus

.T

i

3^

I

¥

3a

cha ghlanar an cridhe gun plan is amhghar. Co iad so a ta air an sgeadachadh le trusganaibh geala agus cia as a thainig iad ? Is iad so, iadsan a thainig a amhghar mor. Cha do shaor Dia a mhac o'n chrann ceusaidh, ach f hreagair e'uirnigh air dhoigh eile ; thug e dha misneach is neart dol air aghaidh, agus thug e dha an spiorad leis an d' thubhairt e, cha 'n e mo thoil-sa ach do thoil-sa gu robh deanta. Agus a chionn gu 'm b' urrainn e sin a radh, b' urrainn e radh mar an ceudna Ghloraich mi t' ainm air thalamh, <;hriochnaich mi an obair a thug thu dhomh ri dheanamh. Ann an umhlachd a'mhic, nochdadh gloir an Athar.

IV. Tha an-shocair is mi -shuaimhneas an duine ag eirigh o'n stri a tha eadar a thoil is toil Dhe. Tha cogadh gun sgur eadar toil an duine nadurra agus toil Dhe. Ach a chionn gur h-e Dia a rinn an saoghal, 's a chionn gu bheil e iomlan an gliocas, an ceartas, 's am maitheas, cha 'n 'eil ann ach amaideas cogadh a dheanamh 'na aghaidh, agus is e an tiodhlac a's fhearr a's urrainn sinn iarraidh air, ar toil fein a striochdadh d' a thoil-san. Tha sin air uairean duihch a dheanamh, direach mar bha e duilich do Chriosd aghaidh a chur air Calbhari seach gabhail ri fasgadh na Greige, ach is e iadsan a cheusas an fheoil a thearnas an anam. Faodaidh gur h-e toil Dhe an dearbh ni a chur thugainn roimh bheil eagal aig ar feoil, ach ma ni e sin, cha 'n ann gu 'n aobhar, agus tha comhfhurtachd 's an fhacal, "An ti a's ionmhuinn ids an Tighearna, smaclidaichaidh se e. Cha 'n 'eil anns na daoin' a's glice air thalamh ach paisdean ann an tigh Dhe, agus ann an teaghlaichean a th' air an riaghladh gu ceart, cha 'n e toil nam paisdean lagh an tighe. Is maith do 'n chloinn gu bheil toil an Athar a seasamh eadar riu is run an cridhe. Tha esan maith 's a' deanamh maith do na huile dhaoine.

As-creideamh dall theid cli 's gach ceum,

Gniomh Dhe a chaoidh cha sgrud ;

'Se Dia 's fear mineachaidh dha fein,

'S ni soilleir, reidh, gach cuis. Ar-n Athair a ta air neamh, cuidich leinn t-ainm a ghlorachadh agus do thoil a dheanamh air an talamh.

CEIST IS FREAGAIRT.

Dh' iarr am maighstir - sgoil air na sgoilearan iad a sgriobhadh air paipeir na b' aithne dhaibh mu "Fhaisdedn." Thug balach beag dhiu greis air a cheann a th^chas, agus greis air a pheann a chagnadh, ach an sin fhuair e solus agus fuas- gladh facail, agus sgriobh e mar so :

Cha'n'eil fait idir air paisdean. Gus am fas am fait cha 'n 'eil fios co dhiu a bhios ann balach no caileag. Thainig cuid dhiu as an speur agus cuid eile a diabh ghiomach. Ged a bhios an suilean fosgailte

cha'n fhaic iad dad mur cuir thu do mheur 'nan suil. Bidh iad 'nan cadal daonnan, agus bidh iad a' faicinn bruadar air feidh. Chunnaic mise fiadh air an robh ochd adhaircean. Bidh iad a' deoghal an ordaig, agus theid aca air ruith air an gluinean. Tha da chois air feadhainn dhiu, agus bidh iad dearg a chionn nach 'eil fiaclan na cnamhan annta. Cha "n urrainn dhaibh aran itheadh a chionn nach 'eil fiaclan no stamag aca, ach gabhaidh iad bainne a botul, 'nuair tha iad 'nan dusgadh. Feumar an nigheadh le uisge blath agus tha sin 'gan deanamh geal. Tha feadhainn dhiu a bhios mullach an cinn bog, agus mur 'eil thu curamach, bheir thu toll orra. Ma bheir thu na h-ingean dhiu Di-haoine gheibh iad am bas, agus cha'n fhas iad ni's niotha. 'Nuair a dh' fhasas am fait, 's e caileag a th' ann ; ach tha cuid dhiu 'nam balaich agus gheibh iad briogais. Cha 'n 'eil paisdean anns a h-uile tigh idir, a chionn nach h-aithne do na paisdean bruidhinn. Bidh iad a' brongail ach cha tuig thu iad. Tha an lamhan bog. Bidh an paisd' againne a' gaireachduinn ris a' chu, agus leigidh mo mhathair leam a thogail. Ma leigeas tu leis tuiteam, bidh e crotach.

Faodaidh thus', a leughadair, gaire a dheanamh air oidhirp a' bhalaich bhig, ach cha 'n 'eil fios agam am biodh e furasda dhuit dha no tri dhuilleagan a sgriobhadh air a' chusp.iir a thug am maighstir sgoil dhasan. Cha 'n 'eil teagan:ih nach robh troimh - cheile ann an inntinn a' bhrogaich mu iomadh rud a bhumeas do bheatha 's do ghne phaisdean, agus air uairean tha e duilich an reusanachadh aige a leantuinn, ach rinn e a dhichioU agus thug e seachad fiosrachadh air nithean nach h-amaiseadh ort ann an sgriobh- aichean a bu doimhne. Cha 'n 'eil doigh a's fhearr air aineolas duine a dhearbhadh air, no iarraidh air duilleag no dha a sgriobhadh air cuspair air chor-eigin a tha e 'n duil a's aithne dha. 'Nuair a dh' fheuchas e ri 'smuaintean a chur sios gu h-ordail, chi e nach 'eil an gnothuch idir cho furasda 's a shaoil e, 's nach 'eil inntinn f hein idir soilleir air nithean a tha mu choinneamh a shul gach latha. 'Nuair a bhios daoin' a' seanchas aghaidh ri aghaidh, cha ruig iad a leas a bhi cho curamach ciod a their iad, agus cuid- ichidh eolas an dara fir aineolas an fhir eile; ach 'nuair a chuirear peann is paipear ad laimh feumaidh tu tuiteam air ais air do thuigs' is t' fhiosrachadh feii.. Their duine iomadh rud air thuaiream ann an seachas, nach bu mhaith leis a chur sios an geal 's an duth. Cha luaithe thoisicheas e air a chur sios no bhualas amharus e nach 'eil an rud idir ceart no soilleir. Nochdaidh peann is paipear aineolas duine ged a dh'fhaodas seanchas an t aineolas ceudna fholach. Is e so am feum a's fhearr a th' anns na ceasnaichean ris am feum an oigridh seasamh ann an sgoilean 's ann an oilthighean. Gheibhear a mach air an doigh sin am pong 's an tur leis an teid aca air labhairt air cuspairean air am bu choir eolas a bhi aca. Cha dean e feum sam bith dhaibh ruith a leigeil le 'n teangaidh mur 'eil dad a's

32

fhiach aca ri radh. Feuniaidh iad dol gu cridhe na ceisde a dh' aon ruith, agus am fiosrachadh no na smuaintean a th'aca, a chur sios am beagan cainnte, gu soilleir, ordail. Tha e air a radh gu 'n croch an duir?e dona e fhein ma bheir thu dha ball gu leor, agus tha e cheart cho cinnteach gu 'n dit an duin' leth-aineolach e fein ma bheir thu dha peann is paipear. Ma rinn thus', a leughadair, magadh air oidhirp a' bhalaich bhig, bu mhaith leam fhaicinn ciod a sgriobhadh tu fein air cuspair a tha cheart cho furasda ris an fhear a thug am Maighstir sgoil dhasan. Feuch, ort, mata. "Gabh do roghainn dhiu so :

Carson a sheideas gaoth ?

Carson a ski/eas iiisge ?

Carson a tha lionadh is traigheadh ?

Innis na's aithne dliuit miin ghrein.

Innis na's aithne dhuit mu'n ghealaich. Tha thu faicinn na greine, 's na gealaich, 's a' chuain gach latha de d' bheatha, 's a bruidhinn air gaoth is uisge ; ach cluinneamaid ciod am fiosrachadh a's urrainn thu thoirt dhuinn gu pongail air na nithean sin. Ma chuireas a h-aon air bith d' ar leughadairean seanchas turail thug- ainn air na cuspairean sin, bheir sinn am follais e.

Cha 'n 'eil e furasd a thuigsinn ciod an doigh anns a bheil inntinnean cloinne ag oibreachadh, agus bheir iad air uairean freagairtean ris nach robh fiuthair aig an fhear a chuir a' cheist orra. Bha ministear uair-eigin a' dol thairis leis a' chloinn air an t-salm far a bheil e air a radh B' fhearr leam bhi dorsaireachd ann an tigh mo Dhe no bhi 'm chomhnuidh am pailliunaibh aingidheachd agus air dha fheoraich carson a labhair an Salmadair mar sud, thuirt brogach beag, A chionn gu faodadh e dol a mack 'fiuair a thoisicheadh an searmon. Faodaidh gur h-e am balach so a bha 'na sgalaig aig a' mhinisteir 'nuair a thainig e gu ire duine. Dh' iarr am ministear air la air chor-eigin car sonruichte a dheanamh nach buineadh do dh'obair an fhear- ainn. Thuirt an sgalag nach deanadh, oir nach h-ann airson na h-obrach ud a bha e air a phaigheadh. Dh' fhas iad le cheiie gu maith teth, agus thoisich an connsachadh. Tha thu air do dheagh phaigheadh air son na tha thu deanadh, ars' am ministear. Cha 'n 'eil mi sin, ars' an sgalag. Tha thu faotainn an uiread jo 's a' bhliadhna, ars' am ministear, agus cha 'n 'eil t' obair trom. Cha 'n 'eil agad ach am mart a chur a mach 's a steach, na tighean a ghlanadh agus sealltuinn as deigh an eich is caigeann chaorach. An e sin uil' e, ars' an gille ? 'S e, ars' am maighstir. Chuir an sgalag puth as a shroin agus le guth ard labhair e Cha tug sibh cuimhne gu bheil agam ri dol don t-searmoti da uair Di-domhnaich. Bha ministear de'n eaglais Shasuinnich a' toirt leasan do'n sgoil Shabaid air Baisteadh, agus air dha labhairt mu 'n t-Sacram-

aid sin car greis, thuirt e ris a' chloinn Ciod an da ni a tha feumail ann am baisteadh? Uisge, fhreagair iad uile. Ciod an ni eile, ars' esan > Leanabh, arsa cailig bheag gu spailpeanta. Cha robh i idir cearr, ged nach b' e sid an fhreagairt ris an robh fiuthair aig a' mhinisteir. Cha b'ann gun tur idir a bha 'm brogach air an do chuir- eadh a cheist, C'ait' a bheil an t-seann ghealach a' dol, 's a fhreagair, Tha Dia 'ga gearradh 'na crioniagan beaga 's a' deanamh rionnagan dhith. Ma bha e rud beag air seacharan, bha e co dhiu a' cleachdadh a thuigse bheag air ceisd mhoir, agus ma gheibh e sineadh laithean ni e airgiod, oir cha bu mhaith leis eadhoin am fuigheall a leigeil a dholaidh. Ach gu de theirear ris an droch sgealb a thug an fhreagairt so, Is e creid- itnh, rtid a chreidsinn ?iach 'eil fior.

S E A C H D

Anns a' Bhiobull cha 'n urrainnear am facal so a ghabhail daonnan gu litireil. Cha 'n 'eil e gu bitheanta a' ciallachadh aireamh shonruichte, ach tha e air a chleachdadh ann an doigh shamh- lachail. Bha na hTudhaich is cinnich eile am beachd gu robh ceangal air chor eigin eadar seachd agusiomlanachd, agus bha iad a' sealltuinn air seachd mar aireamh naomh. Faodaidh e bhith gur h-ann o na speuradairean a thainig an smuain so an toiseach, ach fhuair an smuain greim laidir air inntinn nan ludhach do bhrigh gur h-ann o'n aireamh seachd a bha na feilltean air an cunntas. Bha 'n t-Sabaid a tuiteam air an l-seachdamh la, bha na tri feilltean mora a marsainn seachd laithean, bha seachd seachduinn- ean eatorra, bha seachd uain ri 'n iobradh, Aireamh xxviii. 2, bha 'n fhuil ri crathadh seachd uairean, Lev. iv. 6, 's bha ceangal eadar seachd agus iomadh rud eile ann an aoradh is beatha an t-sluaigh. Is e sin an reusan gu bheil am facal seachd a'tachairt oirnn cho trie anns a' Bhiobull. Ann an leabhar an Taisbeanaidh tha sinn a leughadh mu sheachd coinnleirean, seachd lochrain, seachd eaglaisean, seachd spioradan, seachd seulaichean, seachd aingil, seachd soithich- ean. Chrom lacob e fein ris an talamh seachd uairean nuair choinnich Esau e, dh' iarradh air Naaman e fein a nigheadh seachd uairean, rinneadh an amhuinn anns an do chuireadh Shadrach 's a chompanaich seachd uairean ni bu teotha na b' abhaist. Is iad na aireamhan a's bitheanta thachras oirnn anns a' Bhiobull, 3, is 7, is 40 agus mar is trice cha 'n urrainnear an gabhail gu litireil.

Chuala a h-uile duine iomradh air na seachd Ceatharnaich, na seachd daoine glice, na seachd eolais, na seachd Sathurnan, na seachd cadhlaich- ean, na seachd peacaidhean marbhtach, is seachd ioghnaidhean an t-saoghail.

I

1

';■!*

Air. 9.

1909.

CRIOSD IS SIMON.

A Shimoin, a ta ni again ri radh riiit. Lucas vii. 40.

Ged nach d' thug na Pharasaich gnuis do Chriosd mar fhear teagaisg, 's ged nach robh gaol sam bith ac' air fhein no air a chompanaich, bha duine caomh no dha 'nam measg a nochd caoimhneas dha. Cha robh iad uile 'nan cealg- airean : bha cuid dhiu na b' fhearr no 'n creud. Cha 'n 'eil teagamh nach robh iad cumhann 'nam beachdan is tioram 'nan crabhadh, ach bha fear an sid 's an so aig an robh farsuingeachd inntinn is caomhalachd cridhe. B' ann de na Pharasaich Nicodemus, agus loseph o Arimatea mar an ceudna, agus ged nach do lean iad Criosd ann an laithean fheola. is coltach gu robh baigh aca ris 'nan cridhe. Ged bha na Pharasaich 'nan daoin' uaibhreach, 's ged nach b' fhiach leo gnothuch a ghabhail ri losa, an deigh dha bhi air fhaicinn ag itheadh 's ag 61 maille ri cis mhaoir is peacaich, bha triuir dhiu a chuir sin an suarachas, 's a thug cuireadh dha dh' ionnsuidh am buird. B' e fear dhiu sin Simon. Chual e iomradh air teasgasg is mior- bhuilean losa, agus thug e dha cuireadh gu suipeir. Faodaidh gu robh e 'n duil gu robh e 'toirt urram nach bu bheag do losa ann a bhi fosgladh a dhoruis dha, ach cha ruigeadh e leas a dheanamh idir mur toilicheadh e, agus feumar a chreidsinn gur h-ann le gean-maith a chuir e fios air. Cha do dhiult los' an cuireadh. Bha e cheart cho deonach air a bhi 'na charaid do na Pharasaich 's bha e air a bhi 'na charaid do na cis-mhaoir, 's bha fios aige gu robh an dara feadhainn cho feumach air slainte is leigheas 's a bha 'n fheadhainn eile. Cha b' ann a shireadh aon seorsa dhaoin' a thainig e ach a shireadh nan uile. An deigh do na h-aoidhean suidh' aig a' chuirm chunnaic iad rud a chuir ioghnadh orra. Bha bean a mhuinntir a' bhaile 'na seasamh air culaobh losa, a' gul gu goirt, ag ungadh a chasan le h-oladh, agus 'g an tior- machadh le fait a cinn. Chual i mu 'n chuirm, fhuair i fios gu robh los' a' dol thuice agus ghabh i cothrom air dol a steach gun chuireadh agus ait' fhaotainn aig casan an t-Slanuigheir. Ghabh Simon an fhearg oir thuig e anns a' mhionaid co bh' ann. Dh' aithnich e gu 'm bu bhoirionnach i a bha fo dhroch cliu, agus thuirt e ann fein nach b' urrainn gu robh losa cho mhaith no cho naomh 's a bha daoine 'g radh 'nuair a leigeadh e le dubh-chaile de 'n t-seors' ud a laimhseachadh. Leugh los' an rud

a bha 'n inntinn an Pharasaich agus thuirt e ris,^ a Shimohi, a ta ni agam ri radh riut. Agus an sin dh' innis e dha mu dhithis a fhuair am fiachan a mhaitheadh dhaibh, an dara fear leth- cheud peighinn agus am fear eile coig ceud peighinn agus dh' fheoraich e co dhiu so is mo a ghraidhicheas an duin' a ghabh truas dhiu. Fhreagair Simon agus thubhairt e, am fear is m6tha d' an do mhaitheadh. As a bheul fhein dhit an Slanuighear e mar a dhit Nathan Daibhidh le cosmhalachd an uain. Bha Simon 's a' bhean so gle eu-coltach ri cheile ach thug an Slanuighear dhaibh an cuibhrionn bidh 'na am.

I. Anns a' chosmhalachd so ghabh losa taobh na mnatha, agus dhion se e fein is ise o dhroch amharus Shimoin. Leig e fhaicinn dha nach e mi-mhodh no dalmachd a thug a dh' ionnsuidh na cuirme i, ach an gradh 's am meas a bh' aic' air an neach a nochd trocair dhi 's a dhuisg dochas 'na cridhe. Bu leir do Shimon a peacadh ach cha bu leir dha a h-aithreachas, agus ann a bhi toirt breith oirre chaidh e cearr. Bu leir do Chriosd a h-aithreachas cho maith 's a b' aithne dha a peacadh agus thug e breith chrothromach oirre. Cha d' thu- bhairt e ri Simon gu robh i 'na b' fhearr no bha esan, 's cha do ghabh e a lethsgeul anns an olc a rinn i. 'Na aite sin tha an cosmhalachd a'^ teagasg gu robh i fada na bu chiontaiche no bha esan, bha fiachan an Pharasaich mar leth cheud peighinn ach bha iiachan nam mnatha mar choig ceud. Ach a ta mi ag radh riut gu bheil a peacanna a ta lioimihor air am maithcadh, air an aobhar sin, ghradhaich i gu tnor. Mar gu 'n abradhlosa. Thathuairdo mhealladh, a Shimoin, mu 'n bhoirionnach so. Bha i uaireigin an ni a tha thus' a' saoilsinn ach chaidh sin seachad agus is coir a dhichuimhneachadh. Fhuair i maitheanas peacaidh agus dhuisg sin innte a leithid de ghradh 's de ghairdeachas 's nach 'eil fios aice ciod a ni i chum a taingealachd a nochdadh dhomhsa. Is e d' thigh-sa an nochd i, agus chasan a thiormachadh le fait, mor, tha a gradh mor mar an ceudna dhomhsa a thog dhith an t-uallach. Ciod i do bharail a nis, a Shimoin? A' bheil thu fhathast a' faotainn coire do 'n bhoirionnach aithreachail airson an ni a rinn i, agus a bheil thu a' faotainn coire dhomhsa airson gabhail rithe ?

II. Anns a' chosmhalachd so chronaich losa spiorad an Pharasaich. Ged a thug Simon cuireadh dha gu thigh, tha e coltach gu 'n do rinn e eadar-dhealachadh eadar e agus each, agus nach d' thug e dha an t-ait' a thug e do na

sin a thug do

a thug oirre mo

Ma bha peacadh

34

li-aoidhean eile. Bu bheag aig losa sin, oir bha •e macaiita agus iriosal an cridhe, agus ged a mhothaich e gle mhaith mar a bha cuisean, cha d' thuirt e dad aig an am. Ach air do Shimon coire fhaotainn do 'n mhnaoi airson an tabhartas graidh a dhoirt i air a cheann, fhuair losa cothrom air solus ur a chur do 'n Pharasach air a ghiulan. Choimeas e fuachd a chridhe ri gradh na mnatha air a leithid a dhoigh 's nach b' urrainn do Shimon gun faireachduinn nach do nochd e an t-urram a bha dhgheach dha. Chuir e 'na chuimhne nach d' thug e dha pog 'nuair a thainig e steach d' a fhardaich, 's nach d' thug e dha uisge chum a chasan a nigheadh. Rinn Simon dearmad air an dleasdanas sin a chionn nach b' fhiach leis aideachadh gu robh Mac an duine cho mhaith ris fhein 's ri 'chompanaich. Bha shuilean air an dalladh le uabhar na beatha 's cha 'n fhac e gloir an Ti a shuidh aig a bhord. Bha deagh bharail aig air fhein, cha robh a chiont' a' cur dragh air, agus a chionn nach robh e 'n duil gu robh e 'n eiseimeil an t-Slanuigheir cha d' thug e tabhartas graidh sam bith dha. Ghradhaich e gu beag, oir cha d' iarr 's cha d' fhuair e maitheanas mor.

III. Anns a' chosmhalachd so tha Criosd 'g a nochdadh fein mar charaid pheacach. Bha e 'na ioghnadh mor do ra Pharasaich gu robh e na bu ghaolaiche air a bhi comhla ri peacaich is cis-mhaoir no bha e air a bhi comhla ri daoine urramach is cliuteach mar bha iad fein. Mar gu 'n abradh e ri Simon, tha iongantas ort gu 'n do leig mi leis a' bhoirionnach so beantail rium, 's nach do thilg mi mach i mar a dheanadh tusa 's do chairdean. Cha do rinn mi sin oir tha e 'na shblas do m' chridhe gu 'n tugadh daoine gradh dhomh mar tha peacaich is cis mhaoir a' deanamh. 'Nuair theid mi am measg nam Pharasach cha tachair orm ach fuachd is amharus is naimhdeas, ach tha na peacaich a' fosgladh an cridhe dhomh 's 'gam ghradhachadh le gaol mor. A bheil ioghnadh, a Shimoin, ged bhithinn ni bu toighiche air comunn na feadhnach so no air comunn do sheorsa fein ? Cha 'n 'eil iarraidh agaibhse orm oir cha leir dhuibh 'ur feum, ach tha iarrtus acasan orm a chionn gur haithne dhaibh am feum. Tha am peacaidhean trom, gun teagamh, ach tha an gradh moi mar an ceudna, agus air a' ghradh sin togaidh mise mo rioghachd. Cha 'n 'eil an cosmhalachd so a' teagasg gur h-e na peacaich a 's miosa a ni na naoimh a 's fhearr an deigh laimhe, ach tha e teagasg "gu bheil gradh aig daoine do Chriosd anns an tomhas anns a bheil eolas is faireachduinn aca air an cionnta fein. Bha gradh na dithis so anns an tomhas anns an robh iad an eiseimeil an fhir a mhaith dhaibh am fiachan. Cho fad 's a tha leth cheud o choig ceud, cho fada sin bha gradh is taingealachd

Shimoin o ghradh 's o thaingealachd na mnatha. Ma chaidh ise air seacharan mar nach deachaidh Simon ghradhaich i am Buachaill a thug air ais i mar nach do rinn a chridhe beag-san. An sealladh dhaoine choimhead Simon na h-aithean- tan 's bha e air a chunutas 'na dhuine diadhaidh ach an sealladh an Ti a rannsaicheas an cridhe bha spiorad air a ghiulan a bha calg dhireach an aghaidh spiorad clann na rioghachd. Agus a chionn gu 'n robh, chaidh eadhoin peacaich is cis mhaoir a steach do 'n rioghachd air thoiseach air. An sealladh dhaoine rinn a' bhean thruagh, amaideach ud long bhriste d' a beatha, ach air dhi tigh'nn thuice fein agus a peacadh fhuathachadh agus a threigsinn rinn Dia trocair oirre, agus dhuisg trocair Dhe taingealachd is gradh 'na cridhe nach aithne do leithid Shimoin. Is e iadsan a bh' ann an geimhlibh ach a fhuair saorsa, a thuig meud an cionta ach a fhuair maitheanas, a 's urrainn na briathran a sheinn le cridhe Ian.

Cia mills ainm an t-Slanuigheir chaoimh An cluas a' chreidmhich bhochd, Caisgidh e bron is leon nan naomh. Gun eagal orr' roimh lochd. Bidh t-ainm 'na cheol dhomh fad mo re 'S 'na steidh aig am mo bhais. Tha iomadh leasan air fhilleadh a steach anns a' chosmhalachd so, ach tha sinn an duil gur h-e a' cheud ni a thig gu inntinn duine 'nuair a leughas se e an toiseach caomhalachd Chriosd. Thainig esan cha 'n ann a thoirt breith air an t-saoghal ach a thearnadh an t-saoghail. Bha e caomhal ris na h-uile. Cha do bhris e a' chuilc bhruite. Bha cridhe Shimoin Ian de spiorad an t-saoghail agus is e doigh an t-saoghail an dorus a dhunadh an aodann na feadhnach a chaidh air seacharan. Dheanadh Simon sin air a mhnaoi so, ach cha do rinn Criosd e, ged a bha e mile uair ni b' fhearr 's ni bu ghioine cridhe no 'm Pharasach. Bha uaisle naduir is farsuingeachd cridhe ann am Mac an duine a thalaidh peacaidh d' a ionnsuidh 's a thug dhaibh misneach is dochas. Cha b' ann le trod ach le gradh a tharruing e an saoghal 'ga ionnsuidh.

CAILLEACH BHEUR.

Co anns a' Ghaidhealtachd nach cual iomradh air a' Chaillich ? Cha' n' eil gleann no srath anns nach cluinnear a h-ainm, agus tha seann daoine c6ir a lathair fhathast a bhios ag innseadh do 'n oigridh sgeul air Cailleach Bheur. Is e an cunntas a tha i toirt oirre fein.

An uair a bha 'tnhuir'na coilVs 'na crionaich

Bha mise 'n sin 'am nionaig oig.

k

%

i

i

I

35

Tha e air a radh gur h-ann a Lochlann a thainig a' Chailleach, le cliabh air a druim Ian iiir is chreagan, airson Albainn a dheanamh. Thuit cuid de 'n uir 's de na clachan as a' chliabh air an rathad, agus is e sin a rinn na h-eileanean.

Tha ainm na Caillich ri fhaotainn o na h-Arcaibh 's an taobh tuath gu Creag a' Mhadaidh dluth air Glasachadh, far am faicear clacha mora ris an abrar "The Auld Wife's Lifts"— togail- aichean na Caillich 'nan seasamh anns a' mhointich. Chithear laraichean a luchairt an Loch a' Phuill an Tiriodh agus aig ceann deas an Ros Mhuilich, agus gus an latha diugh theirear riu Tota no Totaichean Cailleach Bheur. 'S ann eadar na Torainnean agus an Dubh Hirteach a tha treudan na Caillich ag ionaltradh. Tha Rudha na Caillich am Muile air ainmeachadh as a deigh, agus lamh ris an rudha tha Uamh Bhuaile nan Drogh far am biodh na treudan aice air an iomain gu bhi air am bleoghan. Aig aiseag na Conathuil air Loch Eibhte tha creagan ris an abrar Clacharan Cailleach Bheur, agus aig Cruidhean leum steud-each na Caillich o bheinn Duirinis gu taobh Chruachain, 'nuair bha i air a ruaig 's an t5ir as a deigh. Cha 'n ann an Albainn a mhain a chluinnear iomradh air a' Chaillich. Rainig i Eirinn agus thug i 'ainm do Shliabh na Caillighe. Tha tri cuirn air an t-sliabh agus theirear gur h-e Cailleach Bheara a thog iad ie tri Ian aprainn de chlachan. Tha Carn-na-Cathair an sin, air am biodh a' Chailleach a' suidhe chum sealladh a ghabhail air an ■duthaich mu 'n cuairt. Aig taobh Loch Atha an Earraghaidheal tha i 'na suidhe fhathast, direach mar air Rudha na Caillich, air a tionndadh gu carragh cloiche agus bidh bodaich Lathurna ag innseadh na sgeoil so. 'Nuair a <ih' iomaineadh a' Chailleach a gobhair agus a caoraich thairis air a' Conathuil, bheireadh i suas iad gu tobar a bh' air muUach Chruachain. Bha leac mhor ri chur air beul an tobair gach feasgar, aig am dol fodha na greine. B' ann air a' Chaillich a bha curam so a dheanamh. Ach aon fheasgar a bha 'n sin, bha i sgith agus thuit i 'na cadal rau 'n do chuir i an leac air an tobar. Bhruchd an t-uisge suas, bhris e bealach dha fein agus thaom e sios 'na thuil ruadh air a' chomhnard gus an do lion e Loch Atha mar tha e 'n duigh. Bha 'Chailleach Ian uamhais 'nuair a dhuisg i, le toirm nan uisgeachan, 's a chunnaic i mar a thachair. Ach bha 'n cron deanta, agus mar chomharadh air firinn na sgeoil tha Loch Atha an sid fhathast.

Tha moran aiteachan eile far am faighear sgeul air a' Chaillich. Mar is bitheanta tachrar oirre far am bheil clachan mora air mullach beinne no air sliabh, far am bheil tuiltean a' ruith 'nan caoir no tonnan garbha a' bualadh cladaich.

Ann an seann chunntas na bliadhna tha iomradh air a' Chaillich.

Tri laithean Gobaig Tri laithean Feadaig Seachduinn a' Ghearrain Sgarrthaichean na Feill Connain Doirionn na Feill Fadruig Seachduinii na Caillich. Ma tha 'n Gearran searbh, tha 'Chailleach ni 's miosa. Ann an seachduinn na Caillich tha 'n latha buadhachadh thairis air an oidhche, 's tha am feur a' feuchainn ri fas 's na luibhean ri 'n cinn a thogail. Cha chord so idir ris a' Chaillich agus le a slachdan-draoidheachd tha i 'g am bualadh chum stad a chur air fas is cinneas. Ach tha cumhachd air cul a' chinneis nach 'eil air cul slachdan na Caillich, agus air cho cruaidh 's gam buail i tha 'm feur a' fas. Le farran thilg i an slachdan uaithe agus thubhairt i

Dh' fhag e shios mi, dh' fhag e shuas mi, Dh' fhag e eadar mo dha chluais mi ; Dh' fhag e thall mi, dh' fhag e bhos mi, Dh' fhag e eadar mo dha chois mi ; Tilgeam so 'am bun preas cuilinn Far nach fas feur no duilleach. A dh' aindeoin na dheanadh a' Chailleach cha b' urrainn dhi stad a chur air fas an fheoir 's na luibhean, oir thainig am seinn nan eun, 's bha ghrian bhlath a' boillsgeadh a mach troimh na neoil dhubh, dhorcha, 's bha ghaoth ag atharrachadh calpa 's a seideadh o 'n iar 's o 'n deas. Bha comhstri eadar rithe fein 's a' Ghrian, ach ged a ghabh a' Chailleach coingheall de thri laithean Faoilich, 's a lion i na claisean le sneachd is uisge, b' fheudar dhi toirt thairis agus aideachadh gu 'm b' e 'Ghrian a bu treise.

Tha so uile tachairt air a' choigeamh la fichead de 'n Mhairt. B' e sin ceud latha na Bliadhna anns na linntean a chaidh seachad, oir b' ann o 'n latha sin a bha 'n solus a' faotainn lamh an uachdar air an dorchadas 's a bha blaths is cinneas a' faotainn lamh an uachdar air fuachd is marbhantachd a' gheamhraidh. Theirear anns a' Bheurla Old Lady Day ris a' choigeamh la fichead de 'n Mhart gus an latha diugh.

A' bheil sibh a nis a tuigsinn co i a' Chailleach a tha tigh'nn oirnn a criochan reodhta an Taobh tuath, a tha toirt leatha treudan uamhasach 'na deigh, 's a tha cath gu laidir an aghaidh fas is cinneas ? Co i ach an Aimsir, an t-seann Bhliadhna ! Is iad treudan na Caillich neoil dhorch' a' gheamhraidh, tuiltean nan gleann, agus tonnan caoir gheal na mara a briseadh air na creagan. 'Nuair a tha Cailleach Bheur a' teicheadh air falbh air a steud-each is e a Mac, a' Ghrian, a tha cur na ruaig oirre, agus tha am mac a' deanamh sin air a mhathair a chionn gu 'n robh ise cruaidh air a' bhean dig (an t-EarracJi) a phos esan.

36

Ann am beul aithris an t-sluaigh air Cailleach Bheur tha cosmhalachd aillidh againn a chaidh a chur an eagaibh a cheile le ar-n athraichean glic anns na linntean anns nach robh leabhraich- ean aca, no feilleirean no doigh eile air cuimhne chumail air aimsirean na bliadhna. Is iomadh uair, gu sonruichte an am an Earraich, a bhithinn a' beachdachadh air sgeul na Caillich, agus bha longantas mor orm ciod a bha i 'ciallachadh. Ach thachair dhomh uaireigin a bhi an duthaich Roumania air Latha na Caillich, agus thuirt mi ri neach a bha 's an tigh, neach a rugadh 'sa thogadh an rioghachd nan Hunnach, " Anns an duthaich as ai. d' thainig mise their sinn Latha na Caillich ris an latha so." " 'Se sin an t-ainm a th' againn air cuideachd," ars' ise. "Tha seann sgeul againne uime," arsa mise. " Tha agus againne," fhreagair i. " An cual thu iomradh air tri laithean coinghill a Februari'," arsa mis'. " Chual," ars' ise. Dh' iarr mi oirr' an sgeul innseadh dhomh, agus is e so i facal air fhacal.

" Uair a bha 'n sin, bha ochd buidsichean mora ann fo riaghladh buidrich a bu chumhach- daiche no each. Bha 'bhuidseach mhor so frionasach, gruamach ri bean 6g a mic agus cho cruaidh oirre 's nach mor gu 'm b'urrainn do 'n te 6ig a bhi beo leatha. Latha de na laithean chuir an t-seann bhaoth a' bhean bg do' n allt le marchann caora dhonn, a bha ri 'nigheadh geal. Bha a' bhean 6g thruagh a' nigheadh a' mharchainn 's an allt, agus a deoir a' sileadh gu frasach, 'nuair a thainig an Geamhradh aosda seachad, agus air faicinn dha gu 'n robh i a' gul, dh' f heoraich e dhith ciod a bha 'cur dragh oirre. Dh' innis i dha mar a bha, 's thuirt i gu robh eagal oirre tilleadh dhachaidh a chionn nach b' urrainn dhi am marchann a dheanamh geal. Thoir dhomhs' e, ars' an Geamhradh, agus ni mise geal e. Thug i dha e agus cha b' fhada gus an do rinn e geal e. Le aon laimh shin e dhi am marchann agus leis an laimh eile thug e dhi Ian an duirn de na fluraichean boidheach gorm ris an abrar b/iiorek, na ceud bhlaithean a nochdas an cinn troimh an t-sneachd anns an earrach. Till dhachaidh, ars' an Geamhradh, thoir am marchann air ais do d' mhathair-cheile, agus ma their i facal riut nochd na blaithean so dhi agus abair, "Tha na blaithean a tigh'nn a mach air an t-shabh." B' ann mar sid a bha. Dh' fhalbh a' bhean bg dhachaidh, thug i am marchann d' a mathair-cheile leis an aon laimh agus leis an laimh eile nochd i dhith na blaithean ag radh, "Tha na blaithean a tigh'nn a mach air an t-shabh." Dh' eirich a bhuidseach mhor le colg eagallach ; ghairm i a h ochd bana- chorapanaich agus dh' fhalbh iad, a' marcachd air an gobhair bhana, a chumail fodha fas. Fhuair iad coingheall tri laithean o Februari, sheid a ghaoth, shil an t-uisge agus bha cur is

caitheadh ann. Ach cha deachaidh leo. Bhoillsg a' ghrian a mach, sheid anail bhlath na gaoithe as an iar agus b' fheudar do na buidsichean teicheadh. Chaidh an tionndadh gu cloich, agus tha iad an sin fhathast 'nan suidhe air na gobhair bhana air mullach Beinn Silais lamh ri Tenesbhar. Cha 'n 'eil bliadhna nach sil an deoir gu frasach, air co-ainm an latha air an do ruagadh iad, an coigeamh la fichead de 'n Mhairt."

B' e so an sgeul agus 'nuair a chriochnaich i dh' fheoraich mi, co iad na naoi buidsichean ?■ " Nach 'eil," ars' ise, " na naoi miosachan a tha toirt comhdach ur air aghaidh na talmhainn, a' toirt a mach nam blaithean 's an t-samhradh, agus a' toirt toraidh anns an fhoghar. Saoil nach anabarach a' chumhachd a bheir sin mu 'n cuairt."

Chunnaic mi gu 'm b' e so an iuchair a dh' fhosgladh dhomh lanachd brigh na seann sgeil air an robh mi cho eolach am measg tuath na Gaidhealtachd. Thuig mi an la ud co i Cailleach Bheur. Tha moran tuilleadh a dh' fhaodainn innseadh, ach thug mi dhuibh a' chuid a 's f hearr agus is leoir e an trath so.

K. W. G.

LAOIDH.

Mi 'g imeachd seachad neo-shunndach,

Gle dhliJth do na h-uaighean, Mi gu tosdachd ann am aonar,

'S mo smaointean gld luaineach, A' gabhail beachd air an t-saoghal

Le caochladh gach uair air ; Mar chithear al an deigh ail

'S iad a' fagail gu luath as.

Iad air an astar gu siubhlach

Chum duthaich is buaine, 'S am mealar samhradh gun gheamhradb,

'S grian shoillseach gun dubhar; Cha ruig orr' trioblaidean craiteach,

Trom amhghar no buaireadh ; Am feasd cha dealaich na cairdean,

'S am bas cha toir buaidh orr'.

Bi 'dh iad an cuideachd nan ainglean,

'S a Bhean-bhainnse dol suas leo, 'G an toirt dhachaidh chum na luchairt,

'S cha chunntar an sluagh ann ; Is seinnear moladh gu brath leo

Do 'n t-Slanuighear bhuadhach ; An Ti a dh' fhuiling 'n an aite,

'S e dh' f hailtich a suas' iad.

Anna Chamaran. Aird-nam-murchann, 1909.

Air 10.

1909.

LUCAS. Lucas, an high gradhach. Colos. iv., 14.

Ann an Gniomharan nan Abstol tha 'n t-ughdair a' toirt iomraidh air sealladh no aisling a chunn- aic Pol ann an Troas. Chunnacas leis duine araidh o Mhacedonia a thuirt ris, Thig thairis gu Macedonia agus cuidich leinn. Tha cuid a dhiadhairean am beachd gu'm b'e Lucas an duin' o Mhacedonia. 'Nuair a thainig Pol gu Troas bha a ann an iomachomhairle clod an taobh an rachadh e a shearmonachadh an t- soisgeil. Bha e a' feitheamh ri comharadh air chor-eigin fhaotainn o'n Spiorad. Am feadh 'sa bha e eadar dha bharail thachair Lucas air. Dh' innis Pol dha mar a bha. Thuirt e gu'n robh 'n dorus air a dhunadh air 's an Asia, ach nach do rinn e suas inntinn fhathast ciod an taobh eir an tionndadh e. Ghabh Lucas an cothrom, agus chuir e facal a stigh airson a dhuthcha fein. Dh' innis e mu'n dorchadas anns an robh sluagh na Roinn-Eorpa, agus chomh- airlich e do'n Abstol dol thuca chum an cosnadh do Chriosd. Bha Lucas e fein air iompachadh beagan roimhe so, agus bha iarrtus aige gu'm faigheadh na cinnich d'am buineadh e beann- achdan an t-soisgeil mar an ceudna. Rinn briathran Lucais drughadh air inntinn an Abstoil, agus an deigh dha dol a luidhe chunnaic e bruadar. Thainig na smuaintean 's na facail a chual e anns an latha air an ais ann an aisling na h-oidhche. Chunnaic e m'a choinneamh fear a mhuinntir na Roinn Eorpa ag asluchadh air tigh'nn 'g an cuideachadh. Ghabh Pol am bruadar no'n sealladh ud mar chomharadh gu'n robh an Spiorad 'ga ghairm do na cearnaibh d'an do chomhairlich Lucas dha dol, agus air ball ghabh e long o Throas agus chaidh e thairis do Mhacedonia.

Ann a bhi tionndadh aire Ph6il ris an Roinn- Eorpa rinn Lucas an obair latha a b' f hearr a rinn e riamh, agus tha an saoghal uiie 'na chomain. Bha e ag ullachadh na slighe do neach a bu mhotha no e fein agus a' deanamh a cheumanna direach.

Cha 'n aithne dhuinn moran mu bheatha Lucais. 'Nuair a bha e og, dh' ionnsaich e an dotaireachd. Bha gaol mor aig Pol air, oir tha e labhairt uime mar an lighiche gradhach, agus tha cuid 'am beachd gur h-ann mu I,ucas a tha Pol ag radh ann an 2 Cor. viii., 18, am brathair

a tha a chliu 'san t-soisgeul air feadh nan eaglais- ean uile. Bha e 'na chompanach aig Pol air da thurus soisgeulach, agus cha 'n e mhain gu robh uigh aige anns an obair a bha 'n t-Abstol a' deanamh, ach choisrig e a bheatha chum an obair sin a chuideachadh. Ciamar a thainig e gu eolas na firinn cha 'n urrainnear a radh. Faodaidh gu robh e air iompachadh m' an do thachair e riamh air Pol, oir cha'n 'eilan t-abstol a' labhairt uime mar mhac anns a' chreidimh mar tha e labhairt mu Thimoteus agus mu Thitus.

'Nuair a bha Pol ann an Troas, cha robh e idir ann an deagh shlainte. Bha shuilean a' cur dragh air. Air a thurus do Ghalatia fhuair e anacothrom is sarurachadh a mhill a bhodhig. Cha robh bodhig Phbil ro laidir air a feabhas, ach ged a bha fheoil anfhann bha spiorad toil- each agus thug e obair aisde a mhilleadh bodhig a b' fhearr. " Ghabhadh le slataibh orm tri uairean, chlachadh mi aon uair, dh' fhuiling mi long bhriseadh tri uairean, la agus oidhche bha mi 'san doimhne, ann an turusaibh gu minic, ann an gabhadh aimhnichean, ann an cunnart- aibh fhear-reubainn, ann an cunnartaibh o na Cinnich, ann an cunnartaibh 'san fhairge, ann an saothair agus sgios, ann an acras agus tart, am fairibh gu minic, an trasgaibh gu minic, am fuachd agus an lomnochduidh.'' Cha 'n 'eil iongantas ged a bhris air a shlainte, 's ged a bha e giulan gu latha 'bhais comharan an Tighearn losa 'na chorp Tha e gle choltach gu'n do bhruidhinn Pol ri Lucas m'a shuilean 'nuair a thachair iad air a cheile ann an Troas, agus faodaidh gu'm faca an 'lighiche gradhach' nach robh doigh eile anns am b' fhearr a b' urrainn e aobhar an t-soisgeil a chuideachadh no Pol a leantainn, agus curam a ghabhail d'a shlainte air a thurusan soisgeulach. Co dhiu, is e sin a rinn e. Dh' fhag e Troas maille ri Pol, agus dh' fhan e maille ris gus an do chuir am bas deal- achadh eatorra. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh an t-Abstol, 'nuair a bha e am priosan 'san Roimh is binn a bhais dluth, tha e 'g radh, Tha Lucas '?ia aonar maille riiim. Threig each e, fear as deigh fir, agus dh' fhag iad e am beul a naimhdean. Threig Dam s e air ghradh an t- saoghail, ach bha an lighiche gaolach dileas agus cha dealaicheadh e r'a mhaighstir.

An deigh bas Phoil chuir Lucas an ordugh cunntas air fas na h-eaglais, 's air beath' is saoth-

38

air Ph6il. Sgriobh e mar an ceudna, an soisgeul a th'air ainmeachadh air. Le pheann thog e carragh chuimhne dha fein a chumas 'ainm beo gu brath. Ged tha e marbh tha e fathast a' labhairt anns an da leabhar a sgriobh e, Gniomh- aran nan Afisfi?/ agus an treas Soisgeul.

Sgriobh Lucas pairt a's niotha de'n Tiomnadh Nuadh na sgriobh duin' eile, agus tuigear ciod a tha 'n crochadh ri fhacal 'nuair a chuimhnich- ■ear gur h-ann air an Tiomnadh Nuadh a tha 'n ■Creidimh Criosduidh air a steidheachadh. Is esan an fhianuis a's fhearr a th' againn mu nithean a thachair ann an beatha Chriosd air thalamh, agus mu eachdraidh ria h-eaglais anns a' cheud linn. Mur b'e an cunntas a tha e toirt dhuinn air na nithean sin, bhiodh an dorrhadas anabarach tiugh. Tha e tigh'nn thairis air iom- adh ni a tha cur solus air nadur is obair Chriosd air nach d' thug each iomradh. Nan d' fhan e samhach, bhiodh moran de'n t-saoibhreas a th' againn anns na Sgriobturibh air chall, agus cha bhiodh an fhianuis a th'air taobh a' Chreidimh Chriosduidh cho laidir 'sa tha i. Air a' chuis so cha 'n urrainnear a radh ach gur he Dia a chuir ann an cridhe Lucais, a bha 'na dhuine fogh- luimichte, creideasach, turail, leabhraichean a sgriobhadh chum gu'm faigheadh na creidmhich a thigeadh 'na dheigh fios cinnteach air na nithean anns an deachaidh an teagasg.

Ciamar a fhuair an duine so am fiosrachadh a tha e toirt dhuinn anns na leabhraichean a sgriobh e? Tha e furasda gu leor a thuigsinn •ciamar a b' aithne dha mu bheatha 's mu obair Phoil, oir bha e 'na chompanach aig an abstol air a thurusan soisgeulach. Ach ciamar a fhuair greim air eachdraidh beatha, 's air teagasg Chriosd? Bhasaich Criosd m'an d' thainig Lucas gu ire duine. Cha 'n fhac e Criosd riamh, 's cha chual e a theagasg. Cha b' ludh- ach e, 's cha robh e a dh' aireamh nan Abstol. Ciamar, mata, a fhuair e an t-eolas a bh' aige ? Fhuair, ann an tomhas, o Phbl 's o chairdean. Ged nach faca 's nach cuala Pol Criosd riamh ann an laithean fheola, b' aithne dha moran dhaoin' a bha maille ris ann an Galile 's ann an lerusalem, agus cha 'n 'eil teagamh nach do rinn e Lucas aithnichte dhaibh sin, chum gu'n inn- seadh iad dha mu na gniomharan a rinn losa 's na briathran a labhair e. Bha Lucas is Marc comhla anns an Roimh 'nuair a bha Marc, fo sheoladh Pheadair, a' cur ri cheile an leabhair a sgriobh e fein, agus cha 'n 'eil teagamh nach d' fhuair Lucas fiosrachadh o Mharc. 'Nuair a bha Lucas da bhliadhna maille ri Pol ann an Caesarea, fhuair e cothrom air dol a Ghalile agus seann daoin' a cheasnachadh mu na nithean a thachair 'nam measg bliadhnachan roimhe sin Tha e air a radh mar an ceudna gur h-ann o chairdean Muire a fhuair Lucas an cunntas a tha e toirt air breith an t-Slanuigheir 's air nith-

ean diomhair eile air nach robh eolas aig each. Faodaidh gu'n d' fhag ise as a deigh cunntas "air na nithean a thaisg i 'na cridhe'' cho fad 's a bha losa air thalamh, agus gu'm fac' a caird- ean iomchuidh an cunntas sin a chur an lamhan an lighiche ghaolaich 'nuair a thoisich e air an t- soisgeul a sgriobhadh. Cha b' urrainn dhaibh a chur ann an lamhan a b' fhearr. Ach a thuill- eadh air sin, bha co-chruinneachadh de ghniomh- aran 's de bhriathran Chriosd air beulaobh Lucais 'nuair a sgriobh e a leabhar fein. Cha ghabh an seann cho-chruinneachadh sin faotainn an diugh, oir chailleadh e. 'Nuair a bha Criosd air thalamh cha do sgriobh e aon fhacal d'a theagasg, 's cha mho sgriobh na h-abstoil. Am feadh 'sa bha e maille riu cha do smaointich iad air sin e dheanamh oir cha d' fhairich iad gu robh feum sam bith air. An deigh dha am fagail bha theagasg air a ghleidheadh air chuimhne le beul aithris na h-eaglais. Ach 'nuair a bha deisciobul as deigh deisciobuil a' basachadh, 's a bha 'n aireamh a chual e le'n cluasan a' fas beag, chunnaic an eaglais gu'm feumadh i seol air chor-eigin a dheanamh los cuimhn' a chumail air a bheatha 's los teagasg cinnteach a thoirt do na creidmhich bga a bha 'g eiridh suas. Bha 'n eaglais a' fas, 's bha sois- geulachaichean a' dol a shearmonachadh do dhuthchannan nach cuala iomradh riamh air losa, 's air an aobhar sin bha e feumail gu'm biodh co-chruinneachadh air a dheanamh d'a ghniomharan 's d'a theagasg airson an luchd searmonachaidh. Rinneadh sin am feadh 'sa bha na ceud chreidmhich a lathair, ach cha 'n 'eil gin de na duilleagan sin air sgeul an diugh. Ach faodaidh e bhi nach do chailleadh moran oir bha an seann soisgeul sin air beulaobh Lucais 's air beulaobh na feadhnach eile 'nuair a chuir iad ri cheile na soisgeulan a th'againn anns an Tiomnadh Nuadh. Dh' fhaodteadh earbsadh ri Lucas gu'n tugadh e as na b' fhiach a thoirt as.

Thuirt diadhair araidh nach 'eil leabhar anns an t saoghal cho maiseach ri soisgeul Lucais, eadhoin mar litreachas. Cha ruigear a leas coire fhaotainn do'n fhacal, 'nuair a chuimhnicheas sinn gur h-ann 'san t-soisgeul so a mhain a leughar laoidhean molaidh Elisabet is Muire is Shimeon, oran nan ainglean aig teachd an t- Slanuigheir, cosmhalachd a mhic strodhail is na caora chaillte, cosmhalachd an t-Samaritanaich chaoimh agus cosmhalachd an Pharasaich 's a' chis mhaoir. Cha 'n 'eil a h-aon de na soisgeul- aichean a tha cur uiread cudthroim air caomhal- achd cridhe is farsuingeachd inntinn Chriosd 's a tha Lucas a' deanamh. Bha e fein gu nadurra 'na dhuine caomhal blath-chridheach, agus bha e cuideachd 'na dhuine foghluimichte aig an robh farsuingeachd inntinn nach robh aig na h- ludhaich. Bha iadsan gu maith cumhann, agus

39

dhuraichdeadh iad Criosd a dheanamh cho cumhann riutha fhein, Slanuighear nan ludhach a dheanamh dheth, 's cha 'n e, Slaiiuighear an t-saoghail. Ach cha b' e sin do Lucas. Cha robh cumhannachd sam bith ann gu nadurra, agus air dha bhi moran bhliadhnachan fo theagasg Phbil a thug seachad a bheatha chum soisgeul nan saor ghras a shearmonachadh do na Cinnich cho mhaith ris na h-Iudhaich, agus dhaihhsan a bha 'nan coigrich do choimhchean- glaibh a' gheallaidh cho mhaith ri comh-fhlaith- eachd Israeil, fhuair e eolais air farsuingeachd gras Dhe. Thuig e nach h-ann a thearnadh nan ludhach a mhain a thainig Criosd ach a shireadh nan uile a bha caillte. Is e Lucas a chum air chuimhne 'na leabhar na briathran a bu chaomh- aile a labhair Criosd, agus air an aobhar sin tha an soisgeul a sgriobh e 'na dheagh sgeul mar aoibhneis do na h-uile dhaoine. Is e diadhachd is moralachd(Z\\x\o%A ceann teagaisg Eoin,ach is e truacantachd\% cai7im/ineas Chriosd ceann teagaisg Lucais. Cha 'n e da dhealbh a tha iad a' toirt dhuinn, ach da thaobh an aon deilbh. Tha Criosd e fein ni's motha no gu'n gabh e tomhas. Cha chuartaich aon inntinn e 's cha 'n fhaic aon suil e 'na iomlanachd. Tha leud is doimhn' is farsuingeachd ann nach rannsaich duine beo. Chunnaic Eoin aon ghloir agus chunnaic Lucas gloir eile, ach is ann o'n aon phearsa a bha 'ghloir a' dealrachadh.

M.\DAINN IS FEASGAR.

Bu mhaith leinn cunntas goirid a thoirt air da laoidh a tha freagarrach gu bhi air an seinu aig aoradh maidne is feasgair. Tha e iomchuidh gu 'm moladh daoine JDia. anns a' mhaduinn airson fois na h-oidhche, agus gu 'n iarradh iad a stiuradh agus a bheannachd m'an toisich iad air obair an latha, agus cha 'n urrainn iad sin a dheanamh ann am briathran a 's fhearr no 'n t-oran maidne a rinn an t-Easbuig Tomas Ken.

O m' anam, duisg, is leis a' ghrein, Imich air sligh' do dheasnais fein; Mosgail o t' airtneul, 's tairg le gradh An iobairt mhaidne do'n Ti a's aird.

Gach cliu do Dhia a ghleidh mi slan, 'S a dh' iiraich mi le fois is tamh ; Deonaich o'n uir 'nuair dh' eireas mi Beatha gun chrich an riogh'chd na sith.

Dh' iocainn as iir mo bhbid dhuit fein : Fuadaich mo chionnt mar dhruchd roi'n ghrein ; Mo smuaintean stiuir is gleidh mo chri, 'S le d' laithreachd fein, O, sasuich mi.

Na labhras mi 's na thig am bheachd, Stiuir thus' an diugh an geill do d' reachd, 'S gu 'n tugainn dhuit-sa, mar is c6ir, Le m' thoil 's le m' chridhe cliu is gloir.

Thugaibh cliu do Dhia na gloir,

Thugaibh cliu dha uile shloigh,

Molaibh air neamh, O aingle caomh

An t-Athair, am Mac, 's an Spiorad Naorah.

Tha da cheud bliadhn' ach a dha o chaochail am bard a sgriobh an laoidh so. Bha e 'na shearmonaiche ainmeil 'na linn ; sgriobh e moran leabhraichean agus ghiulain e teas is uallach an latha anns an Eaglais 'nuair nach robh moran beatha no diadhaidheachd innte, ach ged nach 'eil iomradh an diugh air a leabhraichean no air 'orbrichean eile, tha an laoidh bheag so 'na carragh chuimhne nach leig le 'ainm bar.achadh. Tha neo-bhasmhorachd aig na baird nach 'eil aig daoin' eile.

Rinn Tomas Ken an laoidh so air son te de na sgoilean mora a th' ann an Sasunn, 's bha i air a sgriobhadh air ballachan an t-seomair anns am biodh na balaich a' cadal. Thug e dhaibh a' chomhairle so leatha "Seinnibh, a dhaoin' oga, an laoidh so anns a' mhaduinn agus an laoidh eil' anns an fheasgar, oir tha an Salmadair ag radh gur ceart caoimhneas graidh an Tighearn a nochdadh air mhadainn agus fhirinn anns an oidhche." Cha ruigear a leas eachdraidh a bheath' innseadh, ach tha aon ni air am faod sinn tigh'nn thairis, a chionn gu bheil e noch- dadh ciod an seorsa duin' a bh' ann. Bha e cho neo-eiseimeileach 's a bha e diadhaidh. Ged a bha taobh aig an teaghlach rioghail ris airson geiread 'inntinn is cumhachd a shearmonachaidh, cha b' urrainn do Righ no do chuirt a bheul a dhunadh, no stad a chur air ann a bhi togail fianuis an aghaidh aingidheachd spioradail ann an lonadaibh arda. 'Nuair chaidh an righ air thurus gu Winchester chuir e fios thuige gu 'n rachadh e air aoidheachd d'a thigh ; ach air do'n duine bheusach a chluinntinn gu 'n robh 'n righ a' toirt leis gaorsach bheag-narach nach bu bhean dha, thuirt e ris suil m'an t-sroin rathad eile ghabhail. Cha do chord an rud ris an righ aig an am, ach 'nuair a bha Easbuig iir ri chur a stigh ann am Bath, thuirt e ris a' Chomhairle, "Thoiribh an t-aite do 'n fhear bheag nach d'tugadh fasgadh do Nell." 'Nuair a bha 'n righ air leabaidh a bhais, b' e Tomas Ken am ministear a bh' air iarraidh chum frithealaidh dha.

Ged nach 'eil a' bhardachd 's an diadhaidh- eachd a' pogadh beul ri beul daonnan, is maith leinn a chreidsinn gu robh na feadhainn a rinn na laoidhean a's docha Jeinn cho glan 'am beatha 's a bha iad cho binn 'an ceol.

Am measg na laoidhean feasgair cha 'n 'eil a h-aon a's taitniche na i so :

40

A Shlan'gheir ghraidh, mo ghrian is tu ! Cha 'n oidhch' ach la 'nuair bhios tu dluth ; Na h-eireadh neula, talmhaidh, damh'l, Ga d' fhalach mach o bheachd mo shul.

'Nuair thuiteas dealt a chadail chiuin, 'S gu seimh mo rosgan sgith gu'n duin, Laidheam le solas Ian de'n smuain, Gu brath bhi sint' air uchd an Uain !

Fan leam o mhoch gu laidhe grein' Cha bhi mi beo as d' eugmhais fein ; Fan leam 'nuair bhios an oidhch' a' fas As d' eugmhais, O na faigheam bas.

Aon leanabh seachrain, bochd an diugh, Ma chuir, le tarcuis, cut ri d' ghuth, 'Na anam toisich obair ghrais. 'Ga dhusgadh o chlos peacaidh 's bais.

An teuslan fair; air bochd dean foir, Le beannachdan neo ghann do st6ir ; Biodh cadal luchd a' bhroin an nochd Mar chadal naoidhein sheimh gun lochd.

Bi leinn 'nuair dh' fhosglas sinn ar siiil, Troimh 'n t-saogh'l bi fein dhuinn ad fhear-iuil, Gus ann an cuan gun chrich do ghraidh Am faighear sinn an Riogh'chd an Aigh.

Cha robh ministear riamh anns an Eaglais Shasunnaich a bu choltaiche ris na h-abstoil no Iain Keble, ughdair na laoidh so. Rugadh e ann an teaghlach diadhaidh agus choisrig a phatantan e do sheirbhis an Ti^hearna mar leanabh. Thug e barr air a cho-aoisean uile ann am foghlum, air chor 's gu 'n deachaidh cliu a bhuadhan air feadh na tire m'an gann a thainig e gu ire duine. 'Nuair a bha e tri I liadhna fichead a dh' aois, chuireadh air leth e airson na ministreileachd agus fad leth cheud bliadhna bha e 'na sholus dealrach anns an eaglais d'am buineadh e. Ach coltach ri Tomas Ken, cha 'n e an obair mhor a rinn e anns an Eaglais Shasunnaich, no a chliu mar shearmonaiche a chumas ainm air chuimhne, ach a' bhardachd spioradail a rinn e. Chuir e mach leabhar ris an abrar, Stniiaintean airson Sabaidean is Laithean Naoniha na bliadhna, agus ma sheachnar am Biobull 's an Leabhar Uirnigh, cha 'n 'eil leabhar eile a's trice chithear ann an lamhan chreidmheach no'n leabhar sin. Bha, is tha e 'na aran beatha do mhoran, agus tha driichd na maidne air fhathast.

Nuair a bha Keble 'na dhuin' og, bha 'n Eaglais Shasunnach ann an droch staid. Bha 'n sluagh gun sgoil, 's bha chuid mhor de na ministearan gun eud. B' fhearr leo bhi ruith a' mhadadh ruaidh,'s a'tilgeadh nan cearcan tomain seach a bhi teagasg an treuid. Ach cha b' ann dhiu sin Keble. Chuir e roinihe gu'm feuchadh

e ri cuisean a leasachadh, agus chruinnich e mu'n cuairt air daoin' oga de'n aon inntinn ris fein. Bha buaidh anabarach aige thairis orra, agus chuir e siol 'nan inntinn a thug a mach toradh mor ann an Sasunn. Their cuid nach robh an toradh sin gu buannachd sam bith do'n eaglais, 's gu 'n do chuir na daoin' ud air chois cleachdannan innte nach 'eil air reir gnaths Phrostanach, ach co dhiu a tha sin fior no nach 'eil, dhuisg iad eud is beatha innte air an robh i gle fheumail. Cha b' e neart a bhuadhan, ged a bha bhuadhan ard, a tharruing gu Keble meas is gradh dhaoine ach a dhilseachd 's a naomh- achd. Bha bheatha da rireadh foluichte maille ri Criosd ann an Dia. Gach latha d'a bheatha bha e gluasad maille ri Dia. Dh' aobharaich a bheachdan troimh-cheile anns an eaglais, ach bha e gu nadurra 'na dhuine ciuin, gaolach air sith. Ged a bha na ceudan a' sealltainn ris mar an "athair" ann an nithean spioradail, 's ag iarraidh a chomhairle ann an iomaguin air bith 's am bitheadh iad, cha robh barail mhor aig' air fhein, 's bha irioslachd 'ga sgeadachadh mar fhalluinn. Chaochail e o chionn corr is da fhichead bliadhna.

LAOIDH.

Mi 'g imeachd seachad neoshunndach,

Gle dluth do na h-uaighean. Mi gu tosdachd ann am aonar,

'S mo smaointean gle luaineach, A' gabhail beachd air an t-saoghal

Le caochladh gach uair air; Mar chithear al an deigh ail

'S iad a' fagail gu luath as.

Iad air an astar gu siubhlach

Chum diithaich is buaine, 'S am mealar samhradh gun gheamhradh

'S grian shoillseach gun dubhar; Cha ruig orr' trioblaidean craiteach,

Trom amhghar no buaireadh ; Am feasd cha dealaich na cairdean,

'S am bas cha toir buaidh orr'.

Bi'dh iad an cuideachd nan ainglean,

'S a Bhean-bhainnse dol suas leo. 'G an toirt dhachaidh chum na luchairt,

'S cha chunntar an sluagh ann^ Is seinnear moladh gu brath leo

Do'n t-Slanuighear bhuadhach ; An Ti a dh' fhuiling 'n an aite,

'S E dh'fhailtich a suas iad.

Anna Chamaran.

Aird-nam-murchann, 1909.

t

Air 11.

1909.

AN DUIN' lONRAIC.

An ann a 7iasgaidh a tha

2/ Dhe air lob ?-

loB /., g.

Cha 'n 'eil e furasd a radh ann am beagan fhacal ciod an fhirinn shonruichte a tha leabhar lob a' teagasg. Tha e fosgladh iomadh ceist nach 'eil e fuasgladh. Tha e tarruing ar-n aire gu ceisdean diomhaireach mu fhreasdal Dhe 's mu bheatha mhic an duine air nach h-urrainn daoine turail gun a bhi smuaineachadh, ach feumar a radh nach do chagainn an t-ughdar na cnothan a chruinnich e. Cha droch chu so air an duine, oir tha e nochdadh gu'm b' fhearr leis gun fuasgladh idir a dheanamii air ceisdean mora seach am fuasgladh ann an doigh shuarach. Is fearr leis an duine ghlic 'aineolas aideachadh seach comhairl' a dhorchachadh le briathran gun eolas. Nuair a thoisicheas duin' air gleachd ris na ceisdean mora a bha cur dragh air ughdair an leabhair so, 's a dh' fheuchas e ris gach ni air talamh is neamh a rannsachadh le ghliocas, tha e 'cur a choise an cuan nach d' fhuaras a dhoimhneachd. Bheir gach ceum ni's fhaid' e bho thainead na traghad, gus mu dheireadh nach grunnaich e, 's am buidhe leis tilleadh gu tir.

Cha 'n 'eil so a' ciallachadh nach do rainig an duine comasach a sgriobh an leabhar so air iomadh ni ris am faodar gabhail mar fhirinn. Bheachd-smuainich e, a la 's a dh' oidhch', air rdintean Uhe 's air ciirs' an t-saoghail, agus bha a bhreithneachadh tarbhach dha fein, 's tha bhriathran tarbhach do na ginealan a thainig 'na dheigh. Tha iad cho beo an diugh 's a bha iad an latha sgriobh e iad, oir tha gliocas is firinn, mar na h-ainglean, daonnan 6g. Tha driuchd na maidne air an aodann, 's cha luidh aois orra. B'e aon de na ceisdean a bha cur dragh air, An e fei?ieikachd a's mathair aobhair do chrabhadh, no an urraiiin a7i duine Dia a ghradhachadh is fireantachd a kantuinn air an sgath fein, 's cha 'n ann air sgaih duaise. Tha 'n leabhar a' togail iomadh ceisd a bharrachd oirre so, ach faodar iad sin a chur as an t sealladh an drasd, agus sealltuinn air na th' aige ri radh air a' chuspair so. Tha 'n t-ughdar ag iarraidh orrasan nach 'eil a' creidsinn ann an treibhdhireas mhic an duine eisdeachd ris an sgeul a th' aige ri inn-

seadh mu fhear a mhuinntir Uis, d' am b' ainn lob.

Bha lob 'na dhuine direach, ceart, air an robh eagal Dhe, agus a sheachain olc. Chunnaic Dia gu'n deachaidh maitheas is diadhaidheachd an duine so os cionn chaich, agus air do Chomhairle Neimh a bhi cruinn air latha sonruichte, dh' fheoraich e de Shatan (ged nach 'eil e furasd a thuigsinn ciod an gnothuch a bh' aige san 'na leithid a dh' aite) an d' thug e fa'near, 'na shiubhal 's 'na imeachd, lob air an robh eagal Dhe agus a sheachain olc. Thuirt Satan gu 'm b' aithne dha an duine, ach nach robh diadh- aidheachd lob cho domhain 's a bha daoin' is ainglean a' saoilsinn. Thuirt e gu fanoideach gu'm bu mhaith a bha 'n diadhaidheachd a' paigheadh do thuathanach Uis, ach nan rachadh cuisean saoghalta 'na aghaidh, gu'm mallaich- eadh e Dia as an aodann. Feuch ort, ma ta, a Shatain ; gabh do chothrom agus leag do lamh air lob, ach a mhain caomhain a chorp. Ann an aon latha thainig truaighean air lob mar thuil. Chain e mhaoin, a threudan, a sheirbhisich, 's a chlann. Ach ged a thainig lom sgrios air a chuid 's air a theaghlach, cha do mhallaich lob Dia, 's cha do chuir e eucoir as a leth. 'Na aite sin, thuit e sios air an talamh agus rinn e aoradh ag radh, Lomnochd thainig mi a broinn mo mhathar, agus lomnochd pillidh mi an sin, thug an Tighearn uaith agus thug an Tighearn leis ;, beannaichte gu robh ainm an Tighearn.

Air do Chomhairle Neimh a bhi cruinn an dara uair, nochd Satan e fein an lathair Dhe a rithist. Dh' fheoraich Dia dheth ciod a bharail air lob a nis, no an robh e fhathast an dull gur h-ann air sgath codach a bha e gleidheadh 'ionracais. Fhreagair Satan, agus thuirt e gu magail gur suarach do dhuin' an saoghal uile seach a shlainte ; cailleadh e sin agus chithear ciod a's fhiach a chrabhadh. Cho fad 's a tha duine luath laidir, faodaidh e seasamh ris na thig 'na charamh, ach biodh e air a chlaoidh le easl- ainnt agus mallaichidh e Dia as an aodann. Feuch ort, mata, gabh do chothrom agus leag do lamh air corp lob, ach a mhain caomhain a bheatha. Bhuaileadh lob bochd le galair cho oillieil 's gu'n robh a bheatha 'na h-uallach dha. Bha 'chradh cho from is 'aogas cho duaichnidh 's gu 'n d' iarr a bhean air lamh a chur 'na bheatha. Ach cha deanadh lob sin ; an gabh sinn, ars' esan, maith o laimh Dhe agus nach

42

gabh sinn olc. Cha robh fios aige air na thachair ann an Comhairle Neimh, ach ged nach b' urrainn e thuigsinn carson a bha lamh an Uile-chumhachdaich air a leagadh air cho trom, dh' irioslaich se e fein an lathair Dhe agus bheannaich e 'ainm.

Ann an so uile,tha am fear a sgriobh an leabhar ag radh, cha do pheacaich lob le bhilibh. Dh' fheuch Satan ri dhearbhadh an lathair Dhe is ainglean nach b' ann air ghaol fireantachd ach air ghaol duaise a bha lob a seachnadh uilc, ach dh' fhairtlich air. Cha 'n 'eil an corr iomraidh air Satan anns an leabhar, chaill e 'n latha, 's thug e chasan as, agus uaith sin, faodar a thuig- sinn gur h-e 'n fhirinn a tha 'n t-ughdar a' teagasg, nach e feineikachd idir a's inathair •aobhair do chrabhadh ach gur h-iirrainn do mhac a?i duine 7?iaitheas a roghamn air a sgath fein.

Nan robh an leabhar a' criochnachadh aig a so, cha bhiodh an corr uime, agus theireamaid gu 'n robh lob cho coimhlionta 'na theangaidh 's a bha e ionraic'na chridhe. Ach tha 'n ughdar a' fosgladh cheisdean eile, agus los sin a dhean- amh, thug e air lob dol an sas ann an deasboir- eachd anns an do labhair e, air uairean, cainnt nach 'eil uile gu leir a' cordadh ris an irioslachd a nochd e 'nuair a thainig a' challdachd mhor air. Ach is trie le daoine amaideachd a radh ann an deasboireachd ris nach bu mhaith leo seasamh an deigh laimhe.

Chuala triuir d'a chairdean, Eliphas, Bildad, is Sophar mar a dh' eirich do lob, agus thog iad orra gu tigh a' bhroin chum comhfhurtachd a thairgsinn dha. Bha na daoin' ud, mar bha a' mhor chuideachd d'an luchd duthcha, a'creidsinn gu'm b'e breitheanas Dhe airson uilc a bh' ann an trioblaid no ann an calldachd sam bith a thigeadh air duine. Cha robh teagamh aca nach robh an caraid lob ciontach do pheacadh mor air chor- eigin, agus chaidh iad tiiuige chum sin innseadh dha air a leas. Ach 'nuair a rainig iad lob 's a chunnaic iad a shuidheachdh truagh, cha b' urrainn iad a' chomhfhurtachd fhuar sin a thairgsinn dha, agus siiuidh iad maille ris gun am beul fhosgladh (ged is neonach a chum Sophar a theanga chrosda) oir chunnaic iad gu'n robh a dhoilgheas ro-mhor.

Is e lob fein a labhair an toiseach, agus rinn e sin le seirbhe cridhe 's le nimh facail a thug air na daoine clisgeadh.

Rachadh as do 'tt ia air an d' rugadh mi^

Agns do 'n oidhche a thuirt, Ghineadh duine.

Biodh an la sin ^na dhorchadas,

Gabhadh neul comhnuidh air.

Carson nach d' eitg mi o'tt bhroinn .?

Oir a nis laidhimi sios agus gheibhinn foii ;

Chaidlitm, an siti bhiodh tamh again.

An sin sguiridh buaireas nan aingidh ;

Agus gheibh iadsan a fa claoidhte fois.

Carson a thug e do 'n truagh solus ? [annia Agus beatha dhaibhsan a ta ann an searbhas A tha gabhail fadail airson a' bhais.

Bha a chairdean a nis cinnteach gu 'n robh an amharus ceart, 's gu 'n robh cionta trom air chor-eigin air coguis lob, agus dh' innis iad dha am barail m'a chor. B'e suim na thubhairt iad, gu bheil Dia a' riaghladh an t-saoghail ann an ceartas 's ag orduchadh nan uile nithean gu maith, a' toirt soirbheachaidh do dhaoin' ionraic mar dhuais an diadhaidheachd, 's a' toirt breith- eanais air droch dhaoine mar dhuais an uilc. Fhreagair lob, ag aontachadh leo gur hann mar sin a bu ch6ir do'n Uile-chumhachdach curs' an t-saoghail orduchadh, ach thuirt e gu 'n robh e faicinn 's a' fiosrachadh nithean a bha dol calg- dhireach an aghaidh ceartais. Cha b'e challdachd a thainig air a bha cur dragh air anam, ach an smuain, nach robh Dia n' deanatnh ceartais. Bha diomhaireachd freasdail Dhe a' dol thar 'eolais, gus mu dheireadh an robh e 'n inipis achreidsinn nach robh ann an Dia ach fear-saruchaidh neo- chaomhal a bha leigeil le cuibheal an fhortain dol mu 'n cuairt gun sealltuinn co dhiu a phrannadh i 'n t-ionracan no 'n t-eucorach. Tha na briathran a labhair e r'a chairdean sgaiteach, ach clod a theirear ris na briathran a labhair e mu Dhia fein? Feumar a radh gu 'n do rainig e airde dalmachd nach do rainig naomh roimhe no 'na dheigh. B'e aon de na nithean a chuir am fear a sgriobh an leabhar so roimhe, gu 'n leigeadh e le duine ionraic mar bha lob, cainnt a chur air na smuaintean a dh' eireas ann an cridheachan dhaoine 'nuair tha iad air am fiosrachadh le trioblaidean troma, 's gun fios aca carson. Tha sinn an duil nach sgriid 's nach tomhais Dia mar fhear lagha na smuaintean dalma 's na briathran amaideach a dh' fhaisgeas plan is eiginn, air uairean, o chndhe feadhnach a tha ionraic 'nam beatha. Tha e ni 's glice 's ni 's caomhaile no gu 'n deanadh e sin. Ach cha leithsgeul do dhanachd mhic an duine caomhal- achd Dhe.

Chuir lob as leth an Uile - chumhachdaich gu 'n do rinn e eucoir air, agus gu 'n do lot se e gun aobhar. An urrainn dhuinn, mata, aont- achadh leis an fhacal, nach do pheacaich lob le bhilean. Cha 'n urrainn. Ach a bheil sin a' ciallachadh gu 'n robh barail Shatain air lob ceart, 's nach b'airidh e air an teisteanas a fhuair e bho Dhia. Cha'n'eil idir: cha do dhearbhadh lob chum fios fhaotainn ciod a theireadh e le bhilean ann an la na h-eiginn, ach a chum fios fhaotainn an roghnaicheadh e fireantachd 'nuair nach robh buannachd shaoghalt' innte. Rinn e sin ; bha ionracas cho caomh d'a anam 's nach dealaicheadh e ris a dh' aindeoin co theireadh e. Bheireadh e diilain do neamh 's do thalamh seach a choguis a mhuchadh no ceartas a

r

-I

43

threigsinn. Ann an so uile bha lob, ged nach robh fhios aige fein air, a glbrachadh ainm an Tighearn, oir bha e nochdadh gu 'm b' airidh e da rireadh air a' chliu a thug Dia dha ann an Comhairle Neimh.

AM MINISTEAR 'S AM FOIRFEACH COGUISEACH.

Bha Maighstir Eachann 's am foirfeach anabarach mor aig a cheile. Bha iad comhla deich bliadhna fichead, ach anns an iiine sin, cha d' thainig facal riamh eatorra, 's cha mho a fhuair an dara fear cearb anns an fhear eile. Bha Maighstir Eachann toilichte leis an fhoirbheach, 's bha 'm foirfeach toilichte le Maighstir Eachann, 's bha 'n sgireachd car toilichte leo le cheile.

Bha e 'na chleachdadh aca coinneachadh a h-uile feasgar Di-luain, uair nia seach ann an tighean a cheile. Air feasgar sonruichte bha iad a' seanchas mu aois chairdean is choimhearsnach, 's mu na h-eucailean a tha 'n aois a' tarruing 'na lorg.

Mifiistear. Tha na bliadhnachan a' dol seachad 's cha 'n 'eil mi fhein 's tu fhein, Iain, cho 6g 'sa bha sinn.

Foirfeach. Tha sin fior, ach taing do 'n Fhreasdal tha rao mheorahair-sa cho maith 's a bha i riamh.

Ministear. Air a shon sin dheth, faodaidh mise an ni ceudn' aradh; ach sidrud a theirinn riut, Iain. Air mo sgath fhein, 's air sgath an t-sluaigh, tha mi cur romham nach seas mi air am beulthaobh aon latha ni 's fhaide ni 's coir dhomh, agus tha mi 'g earail ort-sa, a charaid, cagar a chur 'am chluais cho luath 'sa mhoth- aicheas tu gu bheil an seann duin' a' dol air ais. Tha e furasda dhomhsa 's do m' sheorsa sinn fein a mhealladh, ach is maith an sgathan suil caraide, agus tha mi 'g earbsadh riutsa rabhadh a thoirt dhomh an am.

M' an deachaidh am foirbheach 'na fhair- eachadh gheall e gu 'n deanadh e sid, ach air dha cnuasachadh air a' ghnothuch an deigh laimhe, bha cho mhaith leis dleasdanas eile 'bhi air a leagadh air a ghuaillean. Ach aig an am, cha leigeadh e leis an rud dragh a chur air inntinn, oir, ars esan, cha d' fhailnich suil Mhaighstir Eachainn fhathast 's cha do threig a neart e.

Chaidh bliadhnachan seachad agus thoisich monmhur am measg an t-sluaigh nach robh am ministear cho cuimseach 'na fhacal no cho ordail 'na theagasg 'sa b' abhaist dha. Bha am foirfeach eadar a' bhaobh 's a' bhuarach.

Bha e 'na dhuine coguiseach 's bu mhaith leis fhacal a chumail, ach bha e 'na dhuine cneasda 's cha bu mhaith leis a charaid a ghoirteachadh. Chuir e dail anns a' ghnothuch cho fad 's a b' urrainn dha, ach, latha de na laithean, air do 'n mhinisteir tarrruing a thoirt air an aois 's air maitheas an Fhreasdail dha fein 's d'a choimh- thionail ghlac am foirfeach misneach agus thuirt e

Foirfeach. A bheil cuimhn' agaibh air an t-seanchas a bha eadarainn o chionn choig bliadhna anns an t-seomar so, agus an gealladh a thug mi dhuibh.

Ministear. Tha sin agam, Iain, agus tha mi ro-thoilicht'achluinntinn nach dodhichuimhnich thusa na dh' iarr mi ort, 's tha mi 'n dochas, 'nuair thig an t-am, gu 'n dean thu gniomh caraide, 's nach ceil thu orm an fhirinn.

Cha robh fios aig an fhoirbheach ciamar a thoisicheadh e, oir chunnaic e nach robh amharus air bith aig a' mhinisteir gu 'n robh 'n fhirinn cho dliith d'a dhorus. B' fhearr leis an duine thruagh gu 'n do ghearradh barr na teangadh dheth m' an do gheall e na gheall e, ach bha cairdeas is coguis 'ga tharruing air an aon cheum. Thainig fallus fuar air aodann, critheannaich am bac 'iosgaid, is casd goirid 'na mhuineal, ach cha 'n fhaigheadh e diog. Mu dheireadh dh' fhaighneachd am ministear dheth an robh dad cearr air. Chuir so seorsa sprachd ann agus thuirt e nach robh, ach faodar an cbrr innseadh, facal air fhacal, mar labhair an dithis.

Foirfeach. Thuirt mise riutha nach robh dad cearr air an t-searmon nan deanadh iadsan feum maith dheth.

Ministear. Dad cearr air an t-searmon ! Cha 'n 'eil mi uile gu leir 'g ad thuigsinn ?

Foirfeach. Gabhaibh mo lethsgeul, a Mhaigh- stir Eachann, ach tha cuimhn' agaibh gu 'n d' iarr sibh orm cagar a chur 'nur duals agus eadaruinn fhein 's an ursann

Mifiistear. Cha ruig thu leas an cbrr a radh, tha mi tuigsinn gle mhaith nach do chord mo shearmon an de riut.

Foirfeach.— Ann an riumsa ! Gu 'n tugadh am Mac Mallachd leis mi, a Mhaighstir Eachann, ma chuir mi corrag riamh air 'ur searmoin. B'e sin an seangan a' toirt grcim a gearran.

Ministear {a! ga.ire2iC\\d\i\nn) Tog ad mhiodal, Iain, ach o'n a tha sinn a'bruidhinn air searmoin idir, 's a tha sinn leinn fhein, feumaidh mi aideachadh, le taingealachd do Dhia, nach d' fhairich mi riamh uiread saors' anns a' chubaid 's a fhuair mi o chionn bliadhn' air ais. An aite bhi pianadh na feola le ro-churam ciod a their mi (mar bha mi deanamh ann an laithean m' amaideis) tha mi 'n diugh 'gam thilgeadh fein air comhnadh an Fhreasdail, 's tha mi faotainn beothalachd 'am bhodhig is deas-chainnt 'am

44

bheul. Ach tha cridheachan a' phobuill cruaidh, 's tha 'n eaglais a' fas falamb.

Cha d' thuirt am foirfeach an c6rr aig an am 's cha mh6 a chualas uaith riamh mu 'n t-seanchas a bha eadar e fhein 's am ministear. Thuig e mar bha cuisean, 's chum e 'smuaintean aige fhein. Ach cha b'e sin do Mhaighstir Eachann ; dh'fhas e na bu bhriathraiche 's na bu bheothaile, 's cha robh ait' an suidheadh e nach b'e 'n aon seanchas dha, amaideas na h-oige is cruas-cridhe an t-sluaigh. 'Nuair a bheirteadh tarruing ris air an fhoirbheach choguiseach, chrathadh e cheann 's theireadh e le osna thruim, gu 'm bu mhor 'eagal gu 'n robh buadhan Iain choir a' failneachadh leis an aois.

Tha an naigheachd so a' togail iomadh ceisd air am faodainn comhradh a dheanamh riuts', a leughadair, nan robh mi cho beothail is deas bhriathrach ri Maighstir Eachann. Faodar cuid dhiu sin ainmeachadh, agus mur fuasgail mis' iad, cnuasaich tein orra 'nuair nach bi obair a's fhearr agad ri dheanamh.

Co a b' amaidaiche am fear a thairg comhairle no 'm fear a dhiult a gabhail.

Ciod iad coinharan na h-aoise.

Co as a thainigan deas chain7it 'sa bheothalachd a dJi fhairich am ministear annfein.

Cha 'n 'eil mi dol a ghabhail gnothuich ris an da cheisd mu dheireadh, ach faodaidh mi facal no dha a radh air a' chiad te. Tha mi 'n duil nach robh anns an fhoirbheach a ghabh os laimh rabhadh a thoirt do 'n mhinisteir, ach an daor amadan. Cha 'n 'eil teagamh nach robh Maighstir Eachann onorach gu leor aig an am, 's nach robh e saoilsinn gu 'n gabhadh e comhairl' an fhir eile mar ghniomh caraide. Ach tha cridhe mhic an duine anabarrach domhain agus anabarrach cealgach, agus dh' fhaodadh am foirfeach a bhi cinnteach cianiar a dh' eireadh dha. Anns an t-saoghal olc so, agus am measg gineil fhiar, tha e duilich do dhuine an rathad fhalbh ann an sith, mur bi rud beag de ghHocas na nathrach an cul a chinn, cho mhaith ri neo lochdas a' chalumain air a bhathais. Tha sinn uile'm beachd gur toigh leinn fhios a bhiagainn air an fhirinn umainn fein, ach mo thruaigh esan a dh' innseas dhuinn an dara leth dhi. Gabhar gu toileach ris a'chuid sin dhith a tha mihs do'n bhlas, ach cho luath 's a dh' aimseas an caraid coguiseach air ar failingean, caillear meas air tur is toinnisg an duine, no cuirear as a leth gu bheil freumh seirbhe air chor-eigin 'na chridhe. Tha na daoin' a's caise anabarrach faighidneach 'nuair thatar 'gam moladh, agus gabhaidh eadhoin seanairean glic is ministearan, fearg ris an duine choguiseach nach gabh iad ris an duine mhiodalach.

Am bitheantas cha 'n 'eil ann ach cosg cainnte, comhairl' a ihoirt air neach eile, oir, ma tha

beagan tuir ann fein, cha bhi feum aig' oirre, 's mur h-eil ttir ann, cha gabh e i. Cha 'n 'eil rud eile a tha cho trie a' dol a dholaidh ri comhairle. Ma tha na h-amadain a' fas lionmhor, cha 'n e cion comhairl' a's aobhar. Tha e ceart gu 'n tugadh parantan comhairl' air an cloinn, 's gu'n tugadh daimhich eolas na slighe air an do ghluais iad fhein d' an cairdean oga, ach a mach o theaghlach fein cha bu choir do dhuin' a bhi deas gu chomhairl' a thairgsinn. Tha seorsa dhaoin' ann nach h-urrainn fuireach samhach. Air ghaol seanchais bodhraidh iad an coimh- earsnaich le comhairle. Tha briathran na feadhnach sin mar fhuaim na gaoithe, agus nan innseadh daoin' an fhirinn, theireadh iad gu 'n robh iad seachd sgith dhiu. Cha 'n 'eil ann an comhairle gun iarraidh ach am mi-mhodh. Am bitheantas, cha dean i ach droch nadur is danarrachd a dhusgadh anns an neach d' an toirear i.

Ma dh' fhasar sgith dhiubhsan a thairgeas comhairle gun iarraidh, fasar ni 's sgithe dhiubhsan a dh' iarras i gun sgur. Uair a ghabhas iad i, is da uair nach gabh. Tha seorsa dhaoin' ann a tha coltach ris an eidheann. Cha 'n urrainn dhaibh seasamh air ar> casan fein ; feumaidh iad an taic a leigeil ri cuid-eigin. Tha iad an comhnuidh eadar da bharail, 's cha ghabh iad os laimh an rud a's lugha gus an iarr iad comhairle. Ged a dh' fheuchas an seorsa so faighidinn an cairdean, cha daoine cronail no cealgach iad, agus is coir giulan leo cho mhaith 's is urrainnear. Ach ciod a theirear riusan a dh' iarras do chomhairle, cha 'n ann air ghaol seolaidh fhaotainn, ach air ghaol do cheann a sheideadh suas ? Tha na h-uiread de 'n t-seorsa dhaoine so a' falbh an t-saoghail, agus mur h-eil thus', a leughadair, car turail bheir iad ort a chreidsinn gu bheil thu cho glic ri Solamh. Ma 's toigh leat am beachd diomhain sin ort fhein altrum, leigidh tu air an aghaidh iad, ach ma 's duine tuigseach thu, cuiridh tu stad air am miodal cho luath 'sa leigeasan t-siobhaltachd leat sin a dheanamh, agus cumaidh tu do chomhairl' agad fhein.

Ach air a shon sin uile, is raaith an ni deagh chomhairle agus iarraidh an duine glic i ni 's bitheanta no 'n t-amadan. Cha toir e 'inntinn do dh' eoin an adhair, ach ma bhios e an ioma-chomhairle mu rud sam bith, is maith leis seanchas fhaotainn ri caraid sonruichte anns a bheil earbs' aige. Bruidhnidh iad gu saor, taobh air thaobh, agus eatorra feuchaidh iad ri amas air an t-slighe cheart.

Cha ghabh mi gnothucli ris a' cheisd mu dheireadh Co bhuaith a thainig heothalachd is deas - chaimit Mhaighstir Eachain7i. Thuirt e fein gur h-ann o chomhnadh an Fhreasdail, agus faodar fhagail mar sin.

i

¥

ft

I

3

1

4

Air 12.

1909.

SEIRBHISEACH DILEAS.

Aindreas, braihair Shimoin Fheadair. —EoiN /., 4.0.

Fhuair an Naomh Aindreas aite urraniach am measg nan abstol, ged nach d' fhuair e an t-ait' a b' airde. B' e Aindreas a bu mheadhon air Peadar a thoirt gu Criosd, ach ann an nine ghOirid ghabh an sgoilear toiseach air a mhaigh- stir, agus tha Aindreas air ainmeachadh air Peadar, mar nach b' urrainn do 'n t-soisgeulaiche innseadh d' a leughaidearan, ann an doigh eile, CO e.

Rugadh e am Bhetsaida Ghalile, 's b' e ainm athar lonas, is ainm a mhathar lohanna. Thainig e fo bhuaidh na firinn m'an do thachair e air Criosd. Dhuisg searmonachadh a' Bhaistich iomaguin spioradail 'na anam, agus lean e Eoin mar dheisciobul. Cha b' urrainn dha e fein a chur fo ughdarras a b' fhearr, oir theagaisg am Baisteach dha grainealachd is cionnta peacaidh, agus tharruing e 'aire a dh' ionnsuidh neach a bha mar 2ian Dhe a' toirt air falbh peacaidhean ati t-saoghail. Fo mhinistreileachd Eoin bha cridhe Aindreis air a dheasachadh airson an t-Slanuigheir, air chor agus 'nuair a choinnich iad a eile aig abhainn lordain, gu 'n do fhreagair Aindreas gu toileach a' ghairm a thug losa dha.

Cha 'n 'eil Mata no Marc no Lucas ag radh moran mu Aindreas, ach bha car de thaoibh aig an Abstol Eoin ris an duine chaomh so, agus tha e toirt iomraidh air ni 's bitheanta no tha each. Tha e furasda gu leor fhaicinn gu 'm bu mhaith le Eoin ainm Aindreis a chumail air chuimhne, 's gu 'm bu mhaith leis gu 'n tuigeadh a leughaidearan gu 'n do rinn Aindreas seirbhis mhaith ann an aobhar an t-soisgeil. Cha b' urrainnear a chur as leth an abstoil so gu 'n robh e 'na dhuine dalraa, oir b' fhearr leis daonnan a bhi air chul nam bord seach air beulaobh na cuideachd, ach, tri uairean, tha Eoin a tigh'nn thairis air nithean air nach tugadh Aindreas e fein iomradh :

(i) Ami an Eoin i.,jj-42, tha^e'g innseadh mar thachair Criosd air Aindreas, -'s mar chaidh Aindreas a dh' iarraidh a bhrathar chum a thoirt gu Criosd.

(2) Ann an Eoin vi., 'J14, tha e 'g innseadh gur

h-e Aindreas a tharruing aire Chriosd a dh' ionnsuidh an oganaich aig an robh an t iasg 's an t-aran leis an do rinn e aon d'a mhiorbhuilean.

(3) Ann an Eoin xii., 20-22, tha e 'g innseadh

gur h-e Aindreas a ghabh os laimh na Greugaich a thoirt gu losa.

Cha 'n 'eil an corr iomraidh air ainm anns an Tiomnadh Nuadh, ach a reir beul-aithris na h-Eaglais, chaidh e do dhuthchannan cein a shearmonachadh an t-soisgeil, an deigh aiseirigh Chriosd. Chuireadh gu bas e ann am Patre air sgath a' chreidimh, agus thatar ag radh gu 'n robh 'eud air taobh an t-soisgeil cho mor 's gu 'n do shearmonaich e Criosd air a' chrann- cheusaidh, a dh' aindeoin plan a chuirp.

A thaobh buadhan inntinn is comas labhairt cha ghabh Aindreas coimeas ri Peadar no Eoin no Pol. Cha tug Dia dha na gibhtean a bh' aca-san. Ach rinn e deagh fheum de na talantan a fhuair e, agus ged nach 'eil e cho ainmeil, bha e cheart cho dileas riusan. Tha eadar-dhealachadh eadar reult agus reult a thaobh gloire, ach is ann anns an aon iarmailt a tha iad a' dealradh agus cumhachd an aon Ti a tha iad a' nochdadh.

Bha Aindreas 'na dhuin' iriosal. Cha robh e air a sheideadh suas le uabhar no fein-speis, 's cha b' e ghloir fein a bh' aige 'san t-sealladh. Cha do ghabh e saoibhneas a chionn gu 'n d' fhuair feadhainn eile toiseach air; bha spiorad macant' is ciuin air a ghiulan, ni a tha ro luachmhor ann an sealladh Dhe. Cha robh an spiorad sin aig na h-abstoil uile, co dhiu cha robh e aca an toiseach. Cha mhor dhaoin' aig a bheil e, oir tha uabhar is fein speis anabarrach duilich an spionadh as am bun. Cha 'n 'eil e idir duilich a bhi eudmhor ann an aobhar sarn bith, ma gheibh sinn cliu air a shon, 's ma bheirear dhuinn an t-aite suidh' a 's fhearr 's a' chuideachd. Ach is rud eil' e, a bhi eudmhor gun duais, gun chliu. 'Nuair a dh' aimsear air neach a tha Ian thoileach an obair a dheanamh is cliu na h-obrach a leigeil le neach eile, faodar a bhi cinnteach gu bheil taom mhaith 'na chridhe de 'n ghradh sin nach gabh farmad, nach dean raiteachas, nach 'eil air a sheideadh suas, 's tiack gijilain efein gu mi chiatach.

46

B' e Aindreas ceud thoradh obair Chriosd, a' cheud dheisciobul a thog a chrann-ceusaidh 's a lean an Slanuighear. Ged nach 'eil Eoin a' tigh'nn thairis air na thuiit losa ris 'nuair a choinnich iad, tha e coltach gu 'n robh cridhe Aindreis air a ghluasad gu mor, oir cbaidh e mach le cabhaig a dh' innseadh d' a bhrathair ciod a f huair e. Dh' fhaodadh e radh mar thuirt an Salmadair, cha d' fhohdch mi t-fhireatitachd 'am chridhc. Dh' fhairich Aindreas nach e mhain gu 'n robh e air a ghairm gu bhi 'na dheisciobul, ach gu 'n robh e air a ghairm mar an ceudna gu bhi 'na fhianuis. Cha 'n ann air na h-abstoil a mhain a dh' iarr Criosd fianuis a thoirt seachad, ach air a h-uile duine ann an comunn nan creidmheach. Tha e mar fhiach- aibh orrasan a bhlais deagh thiodhlac Dhe am fianuis a thoirt do 'n t-saoghal. Rinn Aindreas sin am measg a dhaoine fein an toiseach, 's an deigh laimhe am measg choimheach.

B' e Peadar ceud thoradh obair shoisgeulach Aindreis, agus ann a bhi toirt a bhrathar gu Criosd, rinn e 'n obair latha a b' fhearr a rinn e riamh 'na bheatha. Cha robh nair' air Aindreas labhairt r'a bhrathair mu nithean spioradail. Aidichidh sinn uile nach robh aobhar air bith gu 'm bitheadh, ach an deigh sin 's air fad, is e gle bheag de dhaoin' a 's urrainn am beul fhosgladh air nithean spioradail ri 'n cairdean fein. Ann an aon seadh tha sin nadurra, agus cha 'n 'eil e idir fior gur h-e cion eud no deagh dhurachd a tha 'g an cumail samhach. Ma chuirear a cheist An coir do luchd aideachaidh a bhi seanchas daonnati air nithean spioradail, 's a bhi toirt rabhaidh do gach peacach a thachras orra, cha 'n 'eil a' cheist idir furasd a fuasgladh. Cha 'n 'eil an rud a tha laghail gu leor do'n dara duine dligheach do dhuin' eile, s cha mho a thairngeas ar dleasdanas sinn air an aon cheum. Tha tiodhlacan Dhe lionmhor agus cha 'n e 'n aon seorsa talant a tha e toirt do na h-uile. Thug e gibht teagaisg do chuid, gibht comhfhurtachaidh do chuid eile, 's cha 'n 'eil teagamh nach d' thug e do dhuine son- ruichte an sid 's an so gibht leis aa urrainn dhaibh maith a dheanamh d'an co-chreutairean le seanchas pearsonta. Ma fhuair neach a' ghibht sin ann an tomhas cothromach, is coir dha a cleachdadh, agus ma 's duine turail e, cha dean a bhriathran cron. Ach is beag an aireamh dhaoin' aig a bheil an talant sin, ged is mor an aireamh a tha 'n duil gu bheil i aca. Tha e furasd do dhaoin' iad fein a mhealladh 's a bhi saoilsinn gur h-e eud spioradail a tha 'g am brosnuchadh gu bhi bruidhinn air Dia 's air siorruidheachd ris gach sean is 6g a thachras orra, 'nuair is e da rireadh fein speis is fein fhir- eantachd is gaol bruidhne a tha toirt fuasglaidh d' an teanga. Tha moran dhaoin' ann a dhean-

adh barrachd seirbhis do rioghachd Dhe nam fanadh iad samhach no ni iad gu brath le 'n seanchas. 'Nuair a labhras duin' air nithean folaichte na beatha spioradail 's air obair Dhe 'na anam fein, mar nach biodh e ach a' bruidh- inn air an t-sid no air cuisean Parlamaid, cha 'n 'eil 'na chainnt ach diomhanas is mi-mhodh, 's cha 'n 'eil ann fein ach ciombal a' gleangarsaich. Fagaidh e droch bhlas am beul na feadhnach a dh' eisd ris air sgath siobhaltachd, agus an aite an taladh gu diadhaidheach, duisgidh e annta smuaintean eile. Anns a' chuis so, mar ann an nithean a's motha is coir dhuinn eiseimpleir ar Maighstir a leantuinn. Bha esan deas gu comh- radh a dheanamh ri neach sam bith a chuireadh ceist air, no dh' iarradh a chomhairle, no thig- eadh thuige le teagamh no le duileadas. B' aithne dha ciamar a ghabhadh e cothrom air an fhacal fhreagarrach a labhairt aig an am cheart agus ris an duine cheart, ach cha d' fhosgail e a chridhe no bheul do choigrich agus cheil e eadhoin air a chairdean (na h-abstoil) barrachd 's a dh' innis e dhaibh. Ma rinn e pairt do fhiosrachadh anma follaiseach, dh' fhag e moran dheth foluichte, 's cha b' u'rainn neach sam bith a chur as a leth gu'n robh e bruidhneach.

Ach ged nach 'eil e freagarrach gu'm biodh luchd aideachaidh a' ceasnachadh chairdean is choimhearsnach gun sgur 's a feoraich dhiu an d' iompaicheadh iad, tha e ceart gu'n deanadh parantan airson an cloinnean ni a rinn Aindreas d'a bhrathair. Le bhi 'gan teagasg ann an eolas an t-soisgeil gu curamach, le bhi cur eiseimpleir cheart m'an coinneamh, 's le bhi 'gan taladh anns gach doigh a's urrainn iad gus an inntinn a shocruchadh air nithean ceart is urramach is fior-ghlan, bheir parantan an clann gu Criosd. Faodaidh clann gun coiseachd air an t-slighe cheart ged a fhuair iad a h-eolas, ach am bith- eantas gabhaidh an nadur lubadh mar a thoil- icheas am parantan, ma thoisicheas iad trath 's ma leanas iad le tuigs' is faighidin. Ach is e sin an dearhh ni nach dean moran pharantan. Tha cho beag suim aca do chor spioradail an cloinne 's mur b' e am beagan eolais air a' Bhi' bull a thruiseas na paisdean amis an sgoil, gu'm fasadh iad suas cho aineolach air an t-soisgeul ri treubhan borb na h-Afric. Agus sin clann luchd comanachaidh.

Cha 'n 'eil e coltach gu'm faca Aindreas moran de thoradh a shaothrach anns na cearn- aibh anns an do shearmonaich e an soisgeul an deireadh a latha. Ach cha do chaill e mhis- neach 's cha d' thug e thairis ; bha e dileas gu bas. Chual e le chluasan fein an t-ordugh a thug Criosd do na h-abstoil, iad a dheanamh deisciobuil de na cinnich uile. Cha robh Aindreas eas-umhal agus b' urrainn e radh mar thuirt am faidh, Tha facal an Tighearn ann anrk

M

4

i

47

chridhe, mar gu'm b'e teine loisgeach air a dhruideadh suas ann am chnamhaii, agus ged sgithich mi 'ga chumail a steacb, cha 'n urrainn mi. Cha 'n urrainn an eaglais soirbheachadh ma ni i dearmad air an aithne so. 'Nuair a dh' fhasas eud soisgeulach na h-eaglais fann, tha bliadhnachan na gorta air teachd. Tha i dliith do'n bhas. Ma tha facal an Tighearn 's an deagli sgeul a tha e toirt thugainn priseil dhuinn fhein, bidh iarrtus againn air an tiodhlac luach- mhor a thoirt dhaibhsan nach d' fhuair e fhathast. Ach mur h-eil e 'na aran beatha dhuinn fein cha 'n 'eil ioghnadh ged a bhitheam- aid caoin shuarach co dhiu gheibh 's no nach faigh daoin' eil' e.

Cha robh buadhan mora inntinn aig Aindreas ach chleachd e an comas a fhuair e, 's bha e dileas anns a' bheagan. Tha ninn an duil gu'n abradh a choimhearsnaich gu'm b' fhior Chriosd- uidh e aig taobh a theine fein, 's nach tugadh iad an toiseach air eadhoin do Pheadar. Cha b' urrainn dhaibh teisteanas a b' fhearr a thoirt dba. Tha iomadh neach air a bheil ainm na diadhaidheach aig coigrich, nach faigheadh an t-ainm sin bho na feadhainn a tha fuireach 's an aon tigh riu. Tha iad 'nan Abstoil am fianuis an t-saoghal agus 'nan trusdair aig taobh an teine. Is mor an rud e gun abradh a bhean 's a chlann fein mu dhuine, gu bheil e daonnan ciuin is caoimhneilis coguiseach, glan 'na iheang- aidh is firinneach 'na ghiulan. Faodar a radh mu Aindreas gu'n robh e 'na dhuin' iriosal, 'na bhrathair blath chridheach 's 'na sheirbhiseach dilea?. Cha urrainear moladli a's airde no sin a dheanamh air, oir is e fior dhuin' ainneamh a's airidh air a' chliu so.

DUINE UIADHAIDH

Tha da cheud bliadhna o rugadh an t-Olla.mh Maciain, agus anns an fhoghar, bha daoine glic is eagnaidh na duthcha a' raiteachas feuch co am fear a thilgeadh a' chlach a b' fhearr 'na charn. Cha 'n 'eil sinne gabhail oirnn a bhi anabarrach glic no eagnaidh, ach tha taobh againn ris an OUamh nach 'eil againn ri moran, agus faodaidh sinn rud a radh, nach b' urrainn, a reir coltais, cuid d'a luchd molaidh a radh, gu'n do leugh sinn a h-uile facal a sgriobh e riamh. 'Nuair a dh' fhasar sgith do theangannan eile, tha seanchas an duine chneasda so daonnan tlachdmhor.

Ach cha 'n e sin a thug oirnn tarruinga thoirt air ainm, 's cha mho a tha sinn a' dol a labhairt mu bheatha no mu ghliocas. Cuiridh sinn fa chomhair ar luchd leughaidh cuid de na na h- uirnighean a sgriobh e, agus cuid de na smuaintean a bu trice bha 'na chridhe, aig am-

annan sonruichte de'n bhliadhna. leis fhein bruidhinn.

Bas a Mhnatha.

Leigidh sinn.

" Athair uile-chumhachdaich agus uile-throcair- each aig a bheil gradh dhomh ged a smachdaich thu mi, amhairc ann ad thniacantas air mo bhron, agus deonaich gu'n duisg an amhghar so mo chog- uis. Their dhomh a leithid a dh' fhaireachduinn air do chumhachd 's do mhaitheas, 's gu'm feuch mi ri umhlachd a thoirt dhuit an smuain, am facal 's an gniomh. Na leig learn mo laithean a chur seachad ann am bron diomhain, ach cuidich leam a chumihneachadh gur h-ann bhuait-sa a tha maith is olc a' teachd. Cha 'n 'eil dochas agam gu'm faigh mi comhfhurtachd gun aithreachas oir smachd- aich thu mi airson mo pheacaidh. Cuidich leam a bhi taingeil airson an companas a fhuair mi o'n mhnaoi a thug thu bhuam, agus deonuich gu'n lean mi a h-eiseimpleir 's gu'n gleidh mi nabbidean a rinn mi ri taobh a cuirp. Ann ad lamhan, a Dhe, tha spioradan na feadhnach a chaidh as an t- sealladh, agus ma tha e fior gu bheil spioradan nani marbh a' frithealadh do dh' anmaibh nam beo, tha mi guidh' ort gu'm biodh spiorad mo mhnatha dhomhsa mar aingeal-dion. Ma tha e dkna so iarr- aidh, thoir maitheanas dhomh.''

Cha robh linn riamh cho as-creidmheach ris an linn 'san robh Maciain beo. Thainig tiorm- achd spioradail air an duthaich air fad anns an ochdamh linn deug. Tha 'n t-Easbuig Butler ag radh gu'n do thuit an creidimh cho iosal, 's gu'n robhtar an duil nach b' fhiach e argun)aid a dheanamh uime. Am measg luchd nam peann a bha mu'n cuairt air Maciain ann an Lunnainn, bha dithis nach robh creidsinn idir ann an Dia mu choinneamh gach fir a bha. 'Nuair a bheirt- eadh tarruing air Dia is neo bhasmhorachd an anma, cha deanadh iad ach gaire, agus bha. eadhoin pearsachan eaglais ann an ionadan arda a dheanadh magadh 's a' chiiil air an ni a bha iad a' teagasg am follais. Tha moran de litreachas an la ud a dh' fhagas droch bhlas am beul na feadhnach aig a bheil inntinn ghlan is spiorad fallan anns nach do bhasaich urram do nithean neo- fhaicsinneach. Ach cha dean leabhraichean Mhic Iain sin. Cha do sgriobh e aon fhacal a bheireadh oilbheum do chridhe no do chreidimh neach eile. Chuir e roimhe nach d' thugadh e gnuis do leabhar sam bith mur deanadh e diadhaidheachd ionmholta is maitheas ionmhiannaichte. Bha inntinn a bu gheire 's a bu chomasaiche aig an Urramach Swift na bh' aig Maciain, ach tha sgriobh- aichean an trusdair sin is sgriobhaichean an Ollaimh choir cho eucoltach ri cheile 'sa tha fail na muice ri tios cubhraidh. Tha e 'na chleachd- adh aig baird comhnadh na Ceolraidh iarraidh ma'n toisich iad air an dan, ach dh' iarr Maciain comhnadh an Spioraid Naoimh. M'an do thois- ich e air a' "Chuairteir" sgriobh e an urnuigh so^

48

" A Dhe uile-chumhachdaich, cha 'n 'eil 'n ar saothair ach diomhanas gun do chuideachadh, 's •cha 'n 'eil 'n ar gliocas ach amaideas gun do ghras; thoir domh amis an ni so a ghabh mi os laimh comhnadh do Spioraid Naoimh, chum gu'n gloraich mi t-ainm 's gu'n ruig mi fein is daoin' eile air a' bheatha shiorruidh."

Bha e 'na chleachdadh aige daonnan air Di- domhnaich na Caisge suidh' aig bord a'choman- achaidh, agus tha e soillier gu 'm biodh e deanamh mar dh' iarr an t-abstol Ceasnaichibh sibh fein m'an ith sibh an taran so 's m'an 61 sibh an cupan so. Sgriobh e 'na leabhar-latha.

'■Bha mi air a' bhliadhna so cho diomhaineach 's gu bheil mi eagail orm an t-sacramaid a ghabhail. Ach theid mi an lathair Dhe le irioslachd, an dochas nach bris e a' chuilc bhruite. Bhoidich mi -cho bitheanta 's gu bheil eagal orm boidean ur a -dheanamh. Ach ni mi iad so a rithist.

Aoradh a thoir t do Dhia Tit's dtchiollaiche

Do I dd'n eaglais a h-idle Sabaid

Na Sgriobtuirean a rannsachadh

Eiridli aig sia uairean^ jna's urrainn mi.

Leisg is fion ro-laidir a sheachnadh.

Mo skeoniar's mo leabhraichean a si^oblackadh,^'

Caisg an deigh Caisge, bha e cur roimhe •eiridh na bu Iraithe ach cha 'n 'eil e coltach gu'n deachaidh leis. Thoisich e 'n toiseach le bhi bbideachadh gu'n eireadh e aig sia, ach niu dheireadh chuir e gu h-ochd e. Mar bu bhitheanta, bhiodh e 'n deigh mheadhoin-la m'am fagadh e 'n leaba.

Dl-DOMHNAICH NA CaISGE.

"A Dhe uile chumhachdaich, a chaomhain mo bheatha gus an la so, 's a thug dhomh cothrom eil' air fulangas is bas mo Shlanaigheir a chuimh- neachadh, seall thairis air mo pheacanna, agus cuidich leam ciil a chur riu. Ma's e do thoil e, thoir faochadh dhomh o'n phian a tha cradh mo chuirp 's o'n neul dorcha a tha luidh air m' inntinn. Saor mi o sprochd 's o eagal, agus cuidich leam buaidh fhaotainn air na failingean a tha seasamh eadar rium is diadhaidheachd. Neartaich mo thoil is ceartaich mo smuaintean, agus mar tha mi fas ann am bliadhnachan cuidich leam mar an ceudna fas ann an creidimh, ann an gradh 's ann am fior naomhachd."

Bha Maciain buailteach do leann-dubh a' chuid bu mhotha d'a bheatha agus b'aithne dha 'na fhiosrachadh fein ciod a bha 'n Salmadair a' ciallachadh le 'uamhasan na h-oidhche.' Cha bu chuimhne leis aon latha anns nach robh bhodhig air a cradh le dbruinn, ach ghiulain e le eucailean cuirp gu faighidneach, gun ghearan. Bha e 'na chleachdadh aige bhi trasgadh an drasd 's a rithist, gu sonruichte roimh Shabaid na Caisge agus air co-ainm an latha air an do shiubhail a bhean.

"Cuidich leam, a Dhe, a bhi stuama 'nam bhiadh, 's 'nam dheoch, 's 'nam chadal, chum gu'm bi m' inntinn soilleir 's mo chridhe foisneachail airson do sheirbhis. Na toir bhuam do spiorad ach saor mi o eagal a' bhaisagusnochd dhomh do throcair ann ;an losa Criosd."

Ann an 1783 'nuair a bha e ceithir deug is tri tri fichead bliadhn' a dh' aois bhuail am pairilis e, agus thug e an cunntas so air a thinneas ann an litir do bhan-charaid.

■' Air feasgar Di-luain fhuair mi aotramachadh, bha mi faireachduinn gu beothail, 's chuir mi cuis- ean an ordugh chum toiseachadh air obair. Chaidh mi luidhe, ach an ceann greis dhuisg mi. Dh' fhairich mi tuainealaich is troimh cheile am cheann, a mhair leth mionaid. Chuir an rud eagal orm, agus ghuidh mi air Dia buadhan m' inntinn a chaomhnadh, ciod air bith a dh' eireadh do 'm bhodhaig. Rinn mi an urnuigh so ann an Laid- ean?i, feuch an iuiginn co dhiic a dK jhalbh mo bhuadlian no nach d" fhalbh. Cha robh 'n Laideann a chuir mi ri cheile ro shnasmhor, acli bha lanfhios again Jiach robh, agus uaithe so thug mi nach do chain mi mo mheomhair. An ceann greis dh' aithnich mi gur h-e 'm pairilis a bh' ann, 's gu'n do chain mi mo chainnt. Cha d' fhairich mi pian sam bith, ach bha ioghnadh orm nach do chuir galair cho uamhasach an tuilleadh eagal orm 's a rinn e, agus smuainich mi gu'm faod e bhith gu'n caill am b^s fhein, 'nuair a thig e dliith, an t-uamhas a tha ceangailte ris, 'nuair tha e fad air falbh. Dh' ol mi dk ghloine, los fuasgladh a thoirt do'n teangaidh. Thatar ag radh nach 'eil rud a's fhearr no fion a thoirt fuasgladh facail do 'n teanga mhabaich. Chrath mi mi fhein, ach cha tigeadh diog. Chaidh mi do 'n leabaidh a rithist, agus tha mi 'n dull gu'n d' fhuair mi norradh cadail. Aig teachd an latha, chnuasaich mi ciod a dheanainn. Ged a thug Dia comas na teanga bhuam, dh' fhag e comas na laimhe agam. Chuir mi fios air lighichean. Tha iad uile anabarrach caoimhneil 's tha iad a' toirt dhomh deagh mhisneach. Thainig mo chainnt air ais thugam, ann an tomhas, agus theid agam air uirnigh an Tighearn a radh."

Ma choimeasar gearan is ciuchran na feadh- nach d' fhairich riamh rud a's miosa no'n deid- eadh ri spiorad laidir is faighidin an duine so, tuigear nach bu ghealtair e ann an stri na beatha. Bha eagal air roimh 'n bhas, agus b' abhaist dha bhi 'g radh gu'n robh a' cheart eagal air a h-uile duine, nan innseadh iad an fhirinn. Ach 'nuair thainig am bas 'ga ionnsuidh, dh' fhalbh an t-eagal. Bea^an m' an do sbuibhal e, dh' iaiT e an t-Sr.cramaid Naomh a thoirt dha 'na sheomar agus labhair e an uirnigh mu dheir- eadh so.

" Athair Uile-chumhachdaich Uile-throcaireach, tha mi nis a' cumail cuimhn' air bas mo Shlanuigh- 's m' Fhear saoraidh, a reir coltais air son na h-uaire deireannaich. 's tha mi guidhe gu'n neartich thu m' earbsa ann an eifeachd 'iobairt-san 's ann ad throc- air fein. Gabh ri m' aithreachas, ged nach 'eil e iomlan ; neartaich mo chreidimh leis an t-sacram- aid so, daingich mo dhochas agus meudaich mo ghradh. Dean trocair orm, a Dhe,. agus maith lionmhoireachd m' fliailingean. Beannaich mo chairdean agus nochd do throcair do na h-uile dhaoine. Cum suas mi le d' Spiorad Naomh ann an latha mo laigse agus aig uair a'bhais, agus gabh ri m' spiorad air sgath Chriosd. Amen."

1

*

M

1

4

4

,3

Air 1.

1910.

BLIADHNA 1910.

Faodar iomadh atharrachadh fhaicinn m'an tig deireadh na bliadhna so, a thaobh ciiisean na rioghachd 's a thaobh cuisean na h-eaglais an Albainn. Tha Pharlamaid air a cur ma sgaoil, 's tha cothrom air a thoirt do'n duthaich Parlani- aid ur a thaghadh. Cha 'n 'eil teagamh nach bi iipraid is buaireas an cois an taghaidh sin, ach faodar Ian earbs' a chur ann an guth an t-sluaigh. Ged a chuireas corra ghaotharan sios a' chrois air paipeir, le moran teas is beagan tuigse, ni a' mhor-chuideachd an dleasdanas gu reidh, ciall- ach. A reir gnaths na duthcha so, is treise Tuath no Tighearna ; agus ann an gean-maith an t-sluaigh, tha neart na rioghachd is tearuint- eachd a' Chriiin. Cha 'n 'eil Eaglais na h-Alba a' gabhail gnothuich ri nithean nach buin dhith, 's cha mho a tha i 'g iarraidh air a daoine seas- amh air taobh seach taobh. Tha i 'g am fagail aig saors' an toile fein. Aig aon am, dh'fheuch a naimhdean ri 'c5raichean a thoirt uaipe, 's an ceangal a tha eadar i fhein 's an staid fhuasgladh, agus bha e iomchuidh gu 'n gairmeadh i air a sluagh, aig an am sin, seasamh gu duineil an aghaidli na feadhnach a bha 'bag- radh an uilc. Rinn iad sin, agus ni iad a rithist e, ma thogas an namhaid a ceann. Ach ma leigear tamh leatha, cha ghabh an eaglais iolla ri obair Chumantan no Mhorairean, 's cha teid i 's an eadargain 'nuair a bhios Tories is Kaduals a' connsachadh. A mach o 'cbraichean fhein, cha 'n 'eil i gabhail gnothuich ri rud sam bith ach ris an obair spioradail a thugadh dhith ri dheananih, 's cha 'n 'eil claon bhkigh aice ri taobh seach taobh. Cha 'n 'eil i ann an eiseimeil neach sam bith, ard no iosal.

Ach ma thig ceisdean mora air beulaobh na Parlamaid am bliadhna, thig aon ghnothuch cudthromach air beulaobh nan eaglaisean. Is e sin an t-Aonadh. An uiridh chuir an Eaglais Steidhichte 's an Eaglais Shaor Aonaichte daoin' air leth, taobh air thaobh, feuch an tigeadh iad gu cordadh, Tha e fior nach gabh an gnothuch reiteachadh ann am prioba na sula, ach tha Ian am aig sluagh Albainn stad a chur air an stri 's air a' cho-fharpuis a tha eadar da eaglais, aig a

bheil an aon teagasg, an aon seorsa riaghlaidh, 's an aon mhodh aoraidh. Ann an iomadh sgireachd tha na h-eaglaisean a' fas lionmhor agus an sluagh a' fas gann. Chithear tri is ceithir togalaichean far nach eil feum ach air aon Xi. Tha e 'cur dealachaidh eadar choimhears- nach, a' toirt airgid as am pbcannan a dh' fhaodadh a bhi air a chur gu feum a b' fhearr, agus a' dusgadh annta fuachd is naimhdeas is droch nadur nach 'eil a reir spiorad an t-soisgeil. Tha e maslach do dhuthaich Chriosdail gu'm biodh airgiod a' dol a dholaidh, a' cumail suas mhinistearan air nach 'eil feum, 's a' dublachadh eaglaisean a bhios gu brath leth-fhalamh, 'nuair tha na miltean air nach do rainig an soisgeul fhathast air an dearmad, le cion airgid. Nan tigeadh an Slanuighear air ais do'n t-saoghal an diugh, ciod a theireadh e ri suidheachadh nan eaglaisean an Albainn? Anns an iirnigh a rinn e aig crioch a thuruis ghuidh e air an Athair, "gu'm biodh iadsan a chreideas annam-sa 'nan aon, chum gu'n creid an saoghal gu'n do chuir thusa uait mi." Tha eas-aonachd na h-eaglais Phrost- anaich an Albainn 'na chuis naire am fianuis dhaoine, ach tha e 'na pheacadh am fianuis Dhe. Tha e' toirt cothrom do'n namhaid toibheum a labhairt, 's a' milleadh obair na h-eaglais anns an tir. A thaobh nithean spioradail, cha 'n 'eil lend na roinneig eadar an da eaglais. Cha 'n e puingean creidimh a tha 'g an cumail o cheile, ach an dannarrachd.

Tha e fior nach ann aig an Eaglais Steidhichte a tha choire. Cha 'n ise a dh' fhag iadsan, ach iadsan a dh' fhag ise. Bha aobhar air a sin aig an am, ach is fhad o'n thugadh as an rathad an rud a bha cur dragh air coguis na feadhnach a dhealaich rithe ann an 1843. Dh' fhag iad i a chionn nach robh cothrom aig a' choimhthional am ministear fhein a thaghadh. Tha 'n cothrom sin aig an Eaglais Steidhichte an diugh cho mhaith ris an Eaglais Shaoir, agus nam b'e diugh an dfe, cha robh eaglais na h-Alba 'na da bhloigh mar tha i. Ach tha 'n cron deanta, agus is e cheisd a nis ciamar a leasaichear cuisean. Tha cuid de mhuinntir na h-Eaglais Steidhichte a tha meogh bhlath mu'n Aonadh agus is e their iad leigeamaid leotha gus an togair iad tighinn air an ais, tha ar-n eaglais-ne a' buannachd gruinnd gach latha, 's cha'n 'eil fath cabhaig ann. Ach tha sinn an dochas nach 'eil an aireamh dhaoine

so mor. Tha e fior gu bheil an Eaglais Steidh- ichte ni's laidire an diugh no bha i o chionn tri fichead bliadhna, 's gu bheil i, uigh ar n-uigh, a' fas ni's treise, gu sonruichte anns na sgireachdan duthcha, ach tha e fior cuideachd nach ruig i a leas fiuthair a bhi oirre gu'n tig na feadhainn a dh' fhag i ann an 1843 air an ais thuice mar a dh' fhalbh iad, cho fad 's a tha nadur mhic an duine an ni a tha e. Nan tigeadh, bhiodh sin 'na aidmheil fhollaisich nach h-urrainn an Eaglais Shaor Aonaichte a bith fhein fhirean- achadh fa chomhair sluagh Albainn. Bhiodh e ionnan 's gun abradh i tha sibhse ceart 's tha sinne cearr, ach thoiribh dhuinn maitheanas is tillidh sinn thugaibh an sac-eudach 's an luaithre. Cha 'n iarr duine turail no onarach sam bith oirre sin a radh no dheanamh. Ma tha aonadh ri bhi ann, feumaidh sinne nithean a thabhairt cho mhaith ri nithean iarraidh ; feumaidh sinn coinneachadh riu ann an doigh reusanta. Ma's maith ar barail, tha 'n Eaglais Steidhichte deas gu sin a dheanamh. Is ise mathair chaich, agus tha e freagarrach gur h-ann uaipe a ihigeadh a' cheud taiigse. Dh'iarr i air each coinneachadh rithe feuch am faicteadh, anns a' cheud aite, ciod a tha cumail nan eaglaisean o cheile, agus, anns an dara aite, ciod a ghabhas deanamh chum am balla dealachaidh a bhriseadh sios. Thug an Eaglais Shaor Aonaichte freagradh do'n chuir- eadh; chuir i air leth a daoine chum na daoin' againne a choinneachadh, agus tha 'n gnothuch mar sin an drasd. Bha coinneamh eadar an da thaobh cheana, ach cha 'n aithne dhuinn ciod a rinn iad, ach thatar ag radh gu'n robh iad ciallach gu leor, 's gu'n d' fhailtich iad a cheile le deagh aoibh. Is mor sin fhein ; bha la eil' ann.

Cha ghnothuch so a bhuineas do mhinistearan no do phearsachan eaglais a mhain, ach do'n t-sluagh uik. Ma tha iadsan air son Aonaidh, tha comas aca an guth a thogail agus thig an t-Aonadh ; ach ma tha iad caoin shuarach uime, cha ruigear a leas a bhi bruidhinn air. Is ann a pocannan an t-sluaigh a Iha 'n t-airgiod a tha cumail suas nan eaglaisean a' tighinn, agus ma dh' fhairtlicheas argumaidean eile, faodaidh iad argumaid an sporain a chleachdadh. 'Nuair a theirgeas connadh, stadaidh obair.

Tha sinn an dochas gu'n cum buill na h-eaglais suil air a ghnothuch so, agus gu'n neartaich iad anns gach doigh a's urrainn dhaibh lamhan na feadhnach a tha feuchainn ri cordadh a dhean- amh. Bhiodh e na bheannachd mhor do dh' Albainn nam biodh againn aon eaglais ghasda, an aite nan criomagan anns a bheil i an diugh air a roinn. Bhiodh fianuis na h-eaglais air taobh a' Chreidimh na bu laidire no tha e, agus chitheadh an saoghal gur braithrean iadsan uile aig a bheil an aon Mhaighstir, an aon Chreidimh, agus an aon Dochas.

AN TIGH NAOMH AGUS MAISEACH.

[Is e so pairt de'n t-searmoin a bh' air a liubhairt leis an OUamh Tormoid Mac Leoid aig fosgladh na h-eaglais iiire, ann an Sgireachd Hionapuill an Eilein Thiriodh, anns a' Mhart 1903].

'^ Deanaibh seirbhis do lehbbhah le aoibhneas ; thigibh 'na lathair le oran ait. Thigibh a steach 'na gheatachan le buidheachas, 'na chiiirtean le moladh ; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh

ainm.

-Salm

100.

I. Anns na briathran brioghmhor, blasda, a tha an so, tha sinn air ar teagasg gur ann le mor aoibhneas cridhe a bu choir dhuinn an comh- nuidh a bhith a' feitheamh air Dia ann an 6rdaighean follaiseach a thighe, a' tarraing uisge le aoibhneas a tobraichean na Slainte. Tha e fior gu bheil an aitreabh a's maisiche a's urrainn do lamhan dhaoine a thogail 'nar la agus 'nar linn f6in, air son aoradh follaiseach an Tighearna, eu-cosmhail air iomadh doigh ris an TeampuU a bha ann an Jerusalem. An sud anns an Team- pull, bha Dia r'a fhaotainn air mhodh nach robh sin comasach ann an aite sam bith eile fo 'n ghrein. An sud rinn e 'ainm mor f^in aithnichte, agus dh' fhoillsich e a ghloir mar nach do rinn e sin ann an ionad sam bith eile. An sud bha Aire a' Chumhnaint, agus cathair na trocair, agus ceruban na glbire a' sgaoileadh a mach an sgiathan os a cionn, mar shamhladh air lathair- eachd agus air gras an Uile chumhachdaich. Cha 'n iongantaich, uime sin, gu'n robh aoibh- neas am measg an tsluaigh an uair a chaidh an cuireadh beannaichte so fada, iarsaing, air feadh an criochan gu leir " Eiribh agus rachamaid do thigh an Tighearna." Is cuireadh so nach 'eil air a liubhairt an diugh do phobull sam bith anns a' cheart seadh anns an robh e air a liubhairt do Chlann Israeli ann an Tir a' Gheallaidh. An Teampull gus an deachaidh iadsan a suas le "aoibhneas agus le bran ait " chaidh a thilgeil bun OS cionn. Bho chionn beagan bhliadh- naichean chunnaic mi le m' shuilean fein na laraichean briste a tha a' comharrachadh a mach an aite far an do sheas e re iomadh linn ann an greadhnachas a ghabh seachad, mar a ghabh- as uile ghreadhnachas an t-saoghail chaoch- laidich so seachad. Is gann gu'n d' fhagadh clach air muin cloiche. Ach ged nach ionann nasochairean a tha sinne a nis a' mealtainn agus sochairean Chlann Israeli, an uair a bha an Teampull 'na sheasamh ann an ailleachd cho briagh 's a chunnaic suilean mhic an duine riamh, is sochairean iad na sochairean spiorad- ail a tha sinne a' sealbhachadh ^a tha mdran na's iirde agus mdran na's luachmhoire; na's airde agus na's luachmhoire anns a' cheart tomhas

-f

I

anns a bheil solus grianach an t-Soisgeil na's soilleire na bha an solus fann anns an robh iad- san ag imeachd anns an 6g mhadainn, m' an d' dirich Grian na Fireantachd le slainte fo a sgiathan. Cha 'n 'eil lathaireachd an Tighearna a nis fuaighte ri aite seach a ch^ile. Thainig an la mu 'n do labhair ar Slanaigheir beannaichte an uair a thubhairt e ri bean Shamaria " Tha an uair a' teachd, agus tha i nis ann, anns an dean am fior luchd-aoraidh, aoradh do 'n Athair ann an spiorad agus ann am firinn : oir an leithid- ean so tha an t-Athair ag iarraidh gu bhith 'nan luchd-aoraidh dha." Ach ged a thainig an la sin gloir do Dhia I tha e an diugh mar bha e riamh, a reir toil an Tighearna gu'm bitheamaid a' feitheamh air ann an ordaighean follaiseach a thighe ; a' deanamh seirbhis dha le aoibhneas ; a' tighinn 'na lathair le oran ait ; a' toirt buidh- eachais d'a ainm. Cha deachaidh neach riamh an aghaidh toil agus iarrtas Dhe gun a bhith a' fulang call ; agus is e call a bhios ann do'n duine sin a dhiiiltas g€\\\ a thoirt do 'n chuireadh a tha a' diisgadh gairdeachais am measg bithean alainn nam flaitheas, agus ann an cridhe nan naomh air thalamh "O thigibh, sleuchdamaid agus crom- amaid sios ; tuiteamaid air ar gliiinean an lathair lehobhah a rinn sinn : oir is esan ar Dia, agus is sinne sluagh 'ionaltraidh-san agus caoirich a laimhe." Tha e fior, mar a thubhairt mi, gu 'm faodar Dia iarraidh ann an aite sam bith. Ach tha gealladh sbnraichte ann, ris am faod siiil a bhith againn, an uair a tha sinn a' tighinn cruinn maille ri cheile ann an ainm losa Criosd. " Is ionmhainn le lehobhah geatachan Shioin thar uile ionadancbmhnuidh lacoib." "Far a bheil (ars' esan) dithis no triiiir, air an cruinneachadh an ceann a chdile ann am ainm-sa, tha mise an sin 'nam meadhon." "Ann am ainm-sa" a reir m' aithne agus °m' eisimpleir (mar gu'n d' thubhairt e) le Ian earbsa ann an toillteanas na fala a dh6irt mi le be6 iarrtas an t6ir air na beannachdan spioradail a tha mise a' buileach- adh ag amharc am ionnsaidh ag aslachadh cbmhnadh mo Spioraid-sa- an sin tha mise a lathair maille riu. Cha 'n 'eil brigh no eifeachd sam bith an ruig mi a leas a bhith ag radh ruibh ? ann an brdaighean follaiseach ann an sailm an iirnaigh ann an searmoin ann an sacramaid as eugmhais beannachd Dhe. Faod- aidh sibhse teachd do 'n tigh-aoraidh so air gach Sabaid air feadh na bliadhna, agus a bhith cho fada air falbh o Dhia 's a bha sibh riamh. Is e beannachd an Tighearna e fein a tha a' fagail tigh-aoraidh sam bith araon "naomh agus mais- each." Ged a thogteadh e le clachan luachmhor, ged robh e air a sgeadachadh le or agus le airgead agus le seudan priseil, cha bhiodh e ach 'na thigh gun ailleachd is gun dreach ma 's e agus nach robh gibir agus lathaireachd an Tighearna 'ga lionadh. A bhith air ar toirt am fagus do

Dhia f^in trid losa Criosd, a bhith a' mealtainn co-chomainn maille ris, a bhith a' faicinn a chumhachd agus a ghlbir 'na ionad naomh, a bhith air ar sasachadh gu mbr le saill a thighe, agus a bhith ag bl gu pailt d'a shblasan O so a' chrioch araid a bu chbir a bhith an cbmhnuidh 'nar beachd agus 'nar riin an uair a tha e air a radh ruinn, " Rachamaid gu tigh na Tighearna." Ciod a' bhuannachd a bhiodh againne ged a thigeamaid gu tigh an Tighearna, ma's e agus nach robh sinn air ar toirt am fagus do Dhia e fein, agus nach robh cochomann dluth agus sblasach againn maille ris fdin ? Nach cuimhne leibh mar a thubhairt losa an uair a chaidh e steach do TheampuU Dhe agus a thilg e mach iadsan uile a bha a' reic agus a' ceannach anns an TeampuU "Tha e sgriobhte (ars' esan), Goirear tigh-iirnaigh de m' thig-sa " ? So ni ro chudromach a tha mbran a di-chuimhneachadh. Tha an suil air a' mhinisteir, ma dh' fhaodteadh, agus e ag urnaigb, ach cha'n 'eil an cridhe agus an inntinn f^in a' del an cois na h-firnaigh cha 'n 'eil iad, gach aon fa leth, a' gairm air ainm an Tighearna. Theagamh gu bheil an smaointean luaineach a' ruith an deidh nithean amaideach, no, co-dhiiibh, nithean saoghalta agus suarach. O feuchaibh, rao luchd-^isdeachd gradhach, gu'm bi meas mbr agaibh air an " tigh naomh agus mhaiseach" a tha an so, cha 'n ann a mhain mar nach robh ann ach tigh-searmonachaidh, ach mar thigh na h-urnaigh, anns am bi sibh a' tarraing dliith— fior dhliith ri Dia e fdin, ag aideachadh bhur peacaidhean, ag aslachadh trbcair trid-san a bhasaich air ar son agus a dh' ^irich a ris, a tha nis 'na Shlanaigheir beb agus uile-chumhachdach aig deas-lamh na rabrachd far a bheil e gu siorruidh a' riaghladh ann an glbir,_ a' feitheamh gus an bi na h-uile nithean air an cur mar stbl-chos fo a chasan. Co-dhiubh a tha sinn a' seinn shalm, no laiodhean spioradail eile ; co-dhiubh a tha sinn 'ga dheanamh so le inneil-chitiil, na as an eugmhais oir tha sinn fo lagh na saorsa ann an nithean de 'n t-sebrsa sin, agus cha 'n fhiach e bh-ith ri cbmhstrl m' an deidhinn is e an t-aon ni feumail a bhith a' mothachadh lathaireachd an Tighearna, agus a bhith le creideamh beb a' togail a' chridhe g'a ionnsaidh trid losa Criosd. An so, anns an ionad naomha so, mo chairdean, O feuch gu'm bi sibh a' deanamh seirbhis do lehbbhah le aoibhneas, a' tighinn 'na lathair o am gu ham le bran ait, a' toirt buidheachais da, a' beann- achadh 'ainme, an t-ainm sin a tha os cionn gach uile ainm.

II. Tha aobbar eile ann a bu chbir a bhith 'gar CO eigneachadh gu bhith a' deanamh seirbhis do lehbbhah le aoibhneas. a' tighinn 'na lathair le bran ait, a' beannachadh ainme. Oir nach ann gu bhiih a' leughadh agus ag eisdtachd Facal an Tighearna a tha e nar fhiachaibh oiinn

a bhith 'g ar cruinneachadh fein an ceann a cheile ; is e sin ann ann briathran eile, searmon- achadh an t-Soisgeil ? Agus nach e an Soisgeal deagh sgeul a' mh6r aoibhnis? " Na biodh eagal oirbh (ars' esan) oir feuch tha mi a' toirt dhuibh deagh sgeil mh6r-aoibhnis a bhitheas do 'n uile shluagh ; oir rugadh dhuibh an diugh, ann am baile Dhaibhidh, Slanaighear a's e Criosd an Tighearna." Agus feuch, "gu h-obann bha maille ris an aingeal cuideachd mhor a dh' armaih neimh a' moladh Dh^ agus ag radh, ' Gldir do Dhia anns na h-ardaibh, agus air an talamh sith, deagh-ghean am measg dhaoine.'" Agus nach e so, buidheachas do Dhia air a shon, an Soisgeul a tha sibhse ag disdeachd gach uair a tha sibh a' dol a suas gu tigh an Tighearna ? " Gu'n robh Dia ann an Criosd " nach priseil an fhirinn a tiia an so ! gu'n robh Dia da-rir- eadh ann an Criosd cha 'n e mhain gu'n do chuir Dia Criosd a dh' ionnsaidh an t-saoghail, no gu'n d' oibrich Dia a mach a ruintean fein tre Chriosd, ach gu'n robh Dia ann an Criosd, gu bheil e ann an Criosd a nis Dia aithnichte anns an fhebil a' deanamh an t-saoghail reidh ris fein, gun tlachd sam bith a bhith aige ann am bas an aingidh, ach m5r-iarrtas gu'm pilleadh na h-uile dhaoine g'a ionnsaidh agus gu'm mair- eadh iad beb -a' sineadh a mach gairdeanan graidh g' an ionnsaidh, a' guidhe orra tighinn agus tearainteach fhaotainn fo sgail a sgeithe fein. A bhith 'ga innseadh so do dhaoine, 'a tighinn thairis air a ris agus a ris, gus an creid iad e, agus an gabh iad g'an ionnsaidh fh^in e so teachdaireachd na reite. O nach ann an so, mo chairdean, a tha an t-aobhar-gairdeachais agus molaidh ! Ann an Soisgeul Chriosd tha beann- achdan air an uigheamachadh air son uireas- bhaidh a' chinne-daonna ; tha f uarain na beatha air am fosgladh suas ; tha tobraichean na Slainte air an leigeil ris, agus tha cuireadh aig gach duile bhochd air a bheil tart iad a theachd gun airgead agus gun luach agus a bhith ag 61 de 'n uisge bheb mu'n do labhair Slanaighear an t-saoghail an uair a thubhairt e, " Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e ga m' ionnsaidh-sa agus bladh e ; agus cb air bith a dh' bias de 'n uisge a bheir mise dha cha bhi tart gu brath air ; ach an t-uisge a bheir mise dha, bithidh e 'na thobar uisge ann, ag eirigh suas a chum na beatha mair- eannaich." "H6 gach neach air a bheil tart, thigibh-se chum nan uisgeachan ! " Ma tha na nithean sin mar sin, mo chairdean, nach math a bhuineas e dhuibh, gach uair a tha sibh a' teachd dliith ri Dia anns an ionad naomha so a bhith a' deanamh seirbhis do lehbbhah le aoibhneas, a' tighinn 'na lathair le bran ait, agus a' beann- achadh 'ainme ? A bheil e aoibhneach leibh a bhith a' cluinntinn mu ghradh 'ur n-Athar uile- ghrasmhoir, nach do chaomhainn Aon-ghin Mic fein, ach a thug thairis e gu hk% eadhon bas dbruinneach a' chroinn-cheusaidh, chum agus cb air bith a chreideas ann nach sgriosar e ach gu'm bi a' bheatha shiorruidh aige ? A bheil e aoibhneach leibh a bhith a' creidsmn ann am

maitheanas pheacaidhean gu saor air a thairgsinn dhuibh trid-san a bhasaich air ar son agus a dh' eirich a ris a bhasaich, am firean air son nan neo-fhirein ; a tha a' deanamh eadar-ghuidhe air ar son ; a tha 'gar beannachadh le beannachdan spioradail o ionadan arda ?

O, mo chairdean a luchd-leanmhainn Chriosd aig a bheil an aidmheil gu bheil sibh a' creid- sinn anns na firinnean mor agus sblasach agus ro ghlbrmhor a tha air am filleadh a steach ann am ministrealachd na rdite, nach ann duibhse a bhuineas a bhith aoibhneach seadh le aoibh- neas a tha a' dol thar labhairt agus Ian de ghlbir an uair a tha an cuireadh so 'gur ruigheachd air gach madainn Shabaid a tha a' bristeadh ann ansuaimhneas agus ann an sith air'ur n-ionadan- cbmhnuidh Rachamaid gu tigh an Tighearna, gu bhith ag eisdeachd na teachdaireachd a thainig a mach as a bheul ? " O seinnibh do lehdbhah bran nuadh, oir rinn e nithean iong- antach ; dh' oibrich a dheas-lamh agus a ghaird- ean naomh slainte dha." "'Seinnibh gu h-ard, O neamhan, agus dean gairdeachas, O thalaimh; agus togaibh iolach, O shleibhtean ; oir thug lehobhah comhfhurtachd d' a shluagh ! " Nach ann leis an ard-iolach so 'nur bilean a thig e dhuibh a bhith a' tighinn a steach 'na gheatachan 'na chuirtean le moladh ? An uair a bha na deisciobuil air Beinn a' Chruth-atharrachaidh, agus a chunnaic iad an solus nfeamhaidh a bha a' dealradh ann an gniiis an t-Slanaigheir, agus a chunnaic iad Maois agus Elia 'nan seasamh maille ris, agus iad air am foillseachadh ann an glbir, thubhairt a h-aon diubh, " Is math dhuinne a bhith an so." Agus nach minic a thuirt am fior Chriosdaidh an ni ceudna ann an tigh an Tighearna ? Is cinnteach mi nach bi coimhthional an taobh a stigh de 'n eaglais uir so am feasd anns nach bi daoine saraichte, daoine brbnach, daoine bochd aig am bi feum, agus feum mor, air faothachadh agus air comh- fhurtachd. Is e mo dhbchas agus m' urn- aigh, a mhuinntir ionmhainn na .sgireachd so, gu 'm bi sochairean agus beannachdan an t-Soisgeil shiorruidh air an dbrtadh a mach oirbh gu ro phailte anns an ionad so. Agus ma bhios sin mar sin ; ma bhios peacaich air an toirt a chum aithreachais an so; ma bhios an cridhe briste an so air a leigheas ; ma bhios deur a' bhrbin an so air a shiabhadh air falbh ; ma bhios na lamhan a tha air tuiteam a sios air an togail suas, agus na gluinean gun luth air an neartacliadh ; ma bhios gras, sith, agus trbcair, an so air an co-phairteachadh ; ma bhios Dia air a ghlbrachadh O, ai. sin, nach abair sibh mar thuirt lacob o shean, " Gu cinnteach tha Dia anns an aite so ; tigh Dhe agus geata neimh " ? agus an sin ann am briathran stdidh ar teagaisg nach faodar a bhith ag radh ruibhse " Deanaibh seirbhis do lehobhah le aoibh- neas ; thigibh 'na lathair le brain ait ; thigibh a steach 'na gheatachan le buidheachas, 'na chiiirt- ean le moladh ; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh 'ainm."

Air 2.

1910.

CAMADH 'S A' CHRANNCHUIR.

Tkugadh dhomh sgolb 's an fheoil. // Cor. xii. f.

Cha 'n urrainnear a chur as leth Phoil gu 'n robh e briathrach mu nithean diomhair a bheatha fein. Tha e fior gu bheil e tigh'nn thairis, uair no dha, air an doigh anns an deachaidh 'iomp- achadh ; ach a mach uaith sin, cha 'n 'eil etoirt moran iomraidh air fiosrachadh 'anma. 'Nuair a labbras duine gu h-onorach air fiosrachadh a bheatha, is fhiach eisdeachd ris, co dhiu a tha e diadhaidh no ain - diadhaidh, f6ghluimte no gun sgoil. Le bhi leughadh cridheachan dhaoin' eile, gheibh sinn eolas, ann an tomhas, air ar cridheachan fein. Bha eolas spioradail aig Pol nach robh aig moran, agus cha bhiodhteadh diumbach no sgith dheth, ged a dh' innseadh e dhuinn tuilleadh 's a dh' innis e mu churs' a bheatha, 's mu obair Dhe 'na anam. Ach ged a ghairm Dia e chum moran labhairt is moran sgriobhaidh a dheanamh 'na latha, bha Pol, gu nadurra, 'na dhuine samhach, ceilteach, leis nach bu toil 'inntinn a leigeil ri eoin an adhair. Air uairean, b' fheudar dha tarruing a thoirt air eachdraidh a bheatha 's air fiosrachadli diomhair 'anma, los e fein a dhion o chasaid a naimhdean ; ach tha e daonnan 'ga dheanamh, mar gu 'm b' ann 'na aindeoin. Cha robh tlachd sam bith aige bhi bruidhinn uime fein. Bha droch dhaoin' ann an eaglais Chorint a bha faotainn coire dha gun sgur, Bha iad a' cur as a leth nithean nach robh fior, 's a' cumail a mach nach robh ann ach diu nan abstol. An toiseach leig Pol leo a bhi bruidhinn, ach 'nuair a channaic e gu'n robh am breugan a' deanamh cron do'n eaglais, thug e 'n aghaidh orra, agus dh' innis e dhaibh nithean sonruichte a thachair 'na bheatha, chum e fein fhireanachadh. Is e sin an t-aobhar gu 'n do sgriobh e a' chaibideal so. Tha e 'g innseadh dhaibh mu thaisbeanadn a fhuair e ceithir bliadhna deug roimhe so, ach mar gu 'm biodh eagal air tuilleadh 's a ch5ir a radh mu fhios- rachadh cho soluimte 's cho gl6rmhor, tha e leis an ath anail a' toirt tarruing air an doigh anns an robh e air a smachdachadh le Dia, chum nach deanadh e uaill as fein.

Tha cuid de n.i h-athraichean a' cumail a mach gur he tha P61 a' ciallachadh leis an ' sgolb 's an fheoil,' teagmhaidhean mu nithean spioradail a bha 'ga bhnaladh an drasd 's a rithist. Tha

cuid eile a' cumail a mach gu h-e tha 'n sgolb a' ciallachadh, ana miannan feolmhor d'an robh an t-abstol buailteach aig am sonruichte d'a bheatha, Cha 'n 'eil dreach na firinn air na beachdan sin, agus faodar an tilgeil as an rathad. Bha Pol, an da chuid, stuama agus laidir 'na chreidimh. Ach cha robh e idir laidir 'na bhodhig, agus is e a tha e 'ciallachadh leis an sgolb 'san fheoil, eucail air chor-eigin a mhill a shlainte, 's leis an robh e air a phianadh gu goirt. Tha chuid a's motha de dhiadhairean am beachd an diugh gu'n robh P61 air a chlaoidheadh le galair shul. Faodaidh gu 'n robh a shuilean car lag riamh, agus gu 'n robh iad air an tur mhilleadh le teas is gaineamh an fhasaich anns an robh e an deigh 'iompachaidh. 'Na thurusan soisg- eulach thug P61 liodairt is ana - cothrom d'a bhodhig a dh' fh6ghnadh do bhodhig samhan- aich, air chor 's nach 'eil e iongantach gu 'n geilleadh ball air chor-eigin. 'Nuair a bha e searmonachadh ann an Galatia, bha shirilean cho dona 's chuir an galair a leithid de dhroch coltas air, 's gu'n do mhol e, an deigh laimhe, muinntir na h-Eaglais sin, a chionn nach do rinn iad magadh, agus nach do ghabh iad grain dheth, ach gu 'n do ghabh iad ris mar amgeal Dhe, Gal. iv. 14. Tha mi, ars' esan, a' deanamh fianuis, nam bu chomasach e, gu 'n spionadh sibh a mach 'ur suilean fein, agus gu 'n tugadh sibh dhomhs' iad. Ach ma chaill P61 a shlainte, chain e i le meud a shaothrach ann an aobhar an t-soisgeil, agus dh' fhaodadh e radh le firinn gu 'n robh e giulan chomharan an Tighearn losa 'na chorp.

I. Bha 'uallach fein air druim Phoil. Cha 'n 'eil neach fo 'n ghrein aig nach 'eil camadh air chor - eigin 'na chrannchuir, ach cha bhi an trioblaid gun bhuannachd dhaibhsan a striochdas iad fein fo laimh an Tighearn mar rinn esan. Cha 'n 'eil teagamh nach b' fhearr le Pol a bhi as eugmhais a' ghalair chraitich ud, agus tri uairean ghuidh e air Dia gu'rn falbhadh e. Ach cha d' thug Dia air falbh an sgolb, ged nach d' fhag e urnuigh a sheirbhisich gun fhreagairt. Cha do rinn P61 gearan an aghaidh Dhe, 's cha do dhuisg am plan a dh' fhuiling e searbhadas 'na chridhe, ach cha mh5 a tha e 'g radh eu 'm bu toigh leis e. Bha Pol 'na dhuine firinneach,. agus cha leigeadh e air gu'n robh e a' faireachd- uinn ni nach robh e 'faireachduinn idir. Bha e striochdte a chionn gu'm b'e toil Dhe a chuir

an camadh ud 'na chrannchur, ach b' fhearr leis a bhi as eugmhais. Tha cuid de dhaoine a leigeas orra gu bheil iadsan cho leagte ri toil an Tighearn, 's gu'n deanadhiad fiuthair ri smachd- achadh geur sam bith a thigeadh orra. Cha toigh leinn an d6igh bruidhne sin, oir cha 'n 'eil €, aon chuid, fior no nadurra. Cha d' iarr Dia air Pol smuaineachadh air a thinneas mar ni s61asach no ion-mhiannaichte, agus ged a dh' iarradh, cha deanadh eadhoin aithne Dhe pian cuirp solasach do Phol. Ach dh' iarr Dia air an sgolb a ghiulan gu faighidinneach mar dheagh shaighdear, anns a' chreidimh gu 'm faigheadh e neart is gras ann an la na h-eiginn. Ciod air bith a their daoine nach d' fhairich iad, agus daoine nach tomhais an cainnt, cha 'n 'eil tjnneas, no bron, no briste cridhe, no na triob- laidean eil' a thachras air mac an duine air a chuairt air thalamb, solasach ach doilgheasach, ged a dh' fhaodas iad, an deigh laimhe, a bhi air am beannachadh dhaibhsan aghiulaineas iad fein fodhpa ann an spiorad ceart. Tha an Tiomnadh Nuadh a' teagasg gur h-ann tre fhulangas a ruigear air iomlanachd, ach cha'n'eil e teagasg gur coir do dhaoine fulangas iarraidh air a sgath fhein, no dol 'nan ceart deoin an coinneamh trioblaid. Ged tha e sgriobhte gu'n robh Criosd air a dheanamh foirfe tre fhulangas, cha 'n 'eil sinn a' leughadh gu 'n deachaidh e riamh an coinneamh fulangais a ghabhadh seachnadh, no gu 'n d' iarr e air na deisciobuil sin a dheanamh. Ghuidh fear de na seann naoimh uair eiginn, nach rachadh aon latha seachad gun fiosrachadh piantail a thoirt thnige, agus b'e an earail mu dheireadh a thug e d'a bhraithrean gach ni s61asach a sheachnadh agus gach ni doruinneach a shireadh. Cha 'n 'eil sin a reir an Tiomnaidh Nuaidh. Tha e chum buannachd spioradail dhuinn, ma ghiulaineas sin gu ciuin, macanta an t-uallach a leag Dia, 'na fhreasdal, oirnn ; ach cha 'n 'eil e chum buannachd spioradail sam bith dhuinn trioblaid- ean a dhealbh air ar son fein.

II. Bha fios aig P51 carson a chuir Dia an sgolb ud 'na fheoil, agus rinn an t-eolas sin am pian na b' aotruime. Bha e cinnteach nach h-ann 'ga sharuchadh gun aobhar a thainig e, ach a chum leasan a thcagasg dha air an robh e feumach. Tha e 'g radh gu 'n robh e an cunnart a bhi air a sheideadh suas tuilleadh 's a choir le ro-mheud nan taisbean a f huair e, agus gur h-ann los a chumail iriosal a bha 'fheoil air a cradh. Cha 'n 'eil teagamh nach robh e car searbh le Pol an aidmheil so a dheanamh d'a naimhdean ann an Corint, ach 'bha e na dhuin' onorach, cho cruaidh air fhein 's a bha e smachdail air daoin' eile, 's cha cheileadh e 'n fhirinn. Tha eadhoin na naoimh fad air an turus mam basaich an seann duine 'nan cridhe. Cha 'n 'eil e furasd an ruaig a chuir air fein - speis is uabhar is fein-

fhoghainteachd. Tha iad cho dliith do mhac an duine ri chraicionn. Ach is ann chum an spionadh a mach a cridheachan a shluaigh a tha Dia gu bitheanta 'gan smachdachadh, agus air cho goirt 's g'am bi'bhuille aig an am, aidichidh iad, an deigh laimhe, gu 'm b' fhiach dhaibh fulang. Chi iad gu bheil teinnead is maitheas Dhe a' pogadh beul ri beul, 's nach'eil 'na fheirg ach an taobh eile d'a chaoiinhneas. Tha na h-ainglean a thig ann an cruth dorcha 's le torman mulaid 'nan spioradan frithealaidh dhasan, cho mhaith ris na h-ainglean a thig ann an aodach geal 's le oran bainnse,

III. Ann an aon seadh, bha e na b' fhasa do Phbl aobhar a thrioblaid a thuigsinn no tha e dhuinne. Bha soilleireachd inntinn aige nach robh aig moran dhaoine riamh, agus fhuair e eolas air ruintean Dhe air nach h-urrainn a' mhor-chuideachd ruighinn. 'Nuair thig fiosrach- adh goirt 'nar caraibh, 's a bhios ar dbchas 's ar ruintean air an tilgeil bun os cionn, cha 'n urrainn sin a radh, am bitheantas, carson a thainig an camadh sin 'n ar crannchuir. Cha 'n urrainn sin ach a bhi samhach agus tuigsinn gur h-esan Dia. Ach is c5ir dhuinn feitheamh air gu h-iriosal ann an urnuigh, feuch an teagaisg e dhuinn ciod a tha cearr annainn agus ciod e a thoil d' ar taobh. Bha Pol faighidinneach a chionn gu 'n robh e creidsinn le uile chridhe gu bheil Dia caomhal, 's gur h-ann air a leas fein a bha lamh Dhe air a leigeadh air. Nan abairteadh ris nach robh anns an sgolb 'san fheoil, ach tuiteamas a dh' eirich dha mar a dh' eirich e do mhiltean eile, cha chreideadh e facal dheth. Bha e 'sealltuinn air obair an Fhreasdail ann an doigh eile. Bha e creidsinn gu 'n robh lamh Dhe air cul gach fiosrachaidh a thachair ris, agus thug an creidimh sin aotramachadh d'a phian. Cha 'n e 'n aon seorsa toraidh a bheir pian no fulangas a mach anns a h-uile duine. Bidh cuid de dhaoin' a' bruidhinn mar gu 'n robh eifeachd spioradail ann am fulangas, ciod air bith an seorsa duin' air an tig e. Cha 'n 'eil sin fior. Faodaidh duine moran trioblaid fhulang agus a bhi ni 's miosa na bha e riamh. Ged a naomh- aicheas i an dara duine, cruadhaichaidh i duin' eile. Bheir i an dara fear gu caithir nan gras, 's cuiridh i am fear eile do 'n tigh osda. Faodaidh an aon fhreasdal casan duin' a shocruchadh air an t-slighe gu neamh, no 'shiubhal a ghreasad gu truaighe. Is ann a reir an spioraid anns an gabhar ri smachdachadh Dhe a dh' oibricheas e annainn fireantachd no ain - diadhaidheachd. Faodaidh camaidh 'n ar crannchuir a bhi 'na chall no 'na bhuannachd. Bidh e 'na chall, ma ni e cas, dranndanach, crosda sinn, gun urram do Dhia no gun iochd ri daoine. Ach bidh e 'na bheannachd dhuinn ma ni e sinn ciuin, faighidinneach, macanta ; iriosal an lathair Dhe,

■'fi

'H?

:3

it'

r

agus co-fhaireachdail ri daoin' eile, an am an trioblaid.

IV. Ged nach d' thug Dia air falbh an sgolb a feoil Ph5il, fhreagair e 'urnuigh ann an doigh eile. " Is ieoir mo ghras-sa air do shon." Cha do lughdaich e an trioblaid, ach mheudaich e a neart, agus fhuair Pol na bu dluithe do Dhia'na anmhuinneachd no bha e riamh roimhe, air chor 's gu 'n d' thuirt e "an uair a ta mi lag, an sin a ta mi laidir." Cha mhor dhaoine diadhaidh a rainig aois nach h-urrainn an aonta 'chur ris an abstol. 'Nuair a sheallas iad air ais air an t-slighe air an d' thainig iad, aidichidh iad gu 'n d' fhuair iad iomadh tilleadh is bristeadh - duil, ach gu 'm b' fheairrd iad sin, 's gur he caoimh- neas Dhe a chuir thuc' iad. Ghuidh iad uair is uair, mar rinn P61, gu 'n cuireadh Dia cupan sonruichte seachad orra, ach b' fheudar dhaibh 61. Cha b' urrainn dhaibh aig an am ach a bhi samhach, oir bha freasdal Dhe do-rannsaichte, 's a bhreitheanais 'nan doimhne mhoir. Ach chi iad an diugh gu 'n robh ni a b' fhearr aig Dia 's an t sealladh dhaibh, gu 'n d' thug an camadh a thainig 'nan crannchuir gu tobraichean beath' iad air nach aimseadh iad air dhoigh eile, 's gu'n cual iad le 'n cluasan na briathran caomhal Is Ieoir mo ghras-sa dhuibh. Cha leig Dia le shluagh dol 's an dorchadas leotha fhein. Theid e maille riu, 's ni a lathaireachd eadhoin fulangas so iomchar. Is iomadh duin' a thuirt ris fhein nan tigeadh an rud ud orm, cha seasainn ris, bhriseadh e mo chridhe. Ach thainig a' cheart rud ud air, agus cha 'n e mhain gu 'n do sheas e ris, ach ghiulain se e gu ciuin, misneachail, 's cha chualas riamh ri gearan no ri ciuchran e. Dhearbh e gur Ieoir gras Dhe dhaibhsan a leigeas an taic ris.

Tilg-sa t-eallach trom air Dia

'S ni e do chumail suas

Cha leig e 'm feasd do 'n fhirean ch6ir

O shocair fein gu 'n gluais.

SEANN LAOCH.

Ann an aireamh roimhe so thug sin cunntas air ■firean c6ir air an robh oillt is eagal roimh 'n bhas, agus faodaidh sinn an drasd ioniradh goirid a dheanamh air fear noch robh idir 'na fhirein, ach nach do thiomaich ri aghaidh na namhaid dheireannaich. B' e sin MAC SHIMIDH, Ceann-cinnidh nam Frisealach, a chaill a bheatha, an deigh Chuilfhodair. Chaill iomadh duine maith a cheann airson a' Phrionnsa, ach ma bha eirigh nam fineachan Gaidhealach ann an 1745 amaideach, bha e uasal mar an ceudna, agus is duine suarach esan nach fairich 'fhuil a' fas teth 'nuair a chuimhnicheas e air na laithean sin. Ach cha robh Mac Shimidh uasal. Bha e cho

tratach ris an t-sionnach, agus dh' eirich dha mar a dh' eireas do ghille nan car daonnan. Dh' fheuch e ris an da thaoibh a thoileachadh, agus seirbhis a dheanamh do dha mhaighstir. Bha e leigeil air gu 'n robh e dileas air taobh a' Chruin, ach fad na h-iaine bha e cuideachadh a' Phrionnsa. Nan d' thainig e mach air taobh Thearlaich gu spailpeanta, mar rinn Lochial is tighearnan eile, gleidheadh e 'naire ged a chailleadh e 'cheann. Ach is e thainig as a ciiuilbheartan, gu 'n do chaill e a naire cho mhaith ri 'cheann.

Cha ghabh Mac Shimidh moladh, ach ged a dh' fheumar aideachadh nach d' fhuair e ach a thoillteanas, cha 'n urrainn sinn gun smioralas is misneach an t-seann duine aideachadh mar an ceudna. Thugadh e air beulaobh nam Morairean ann an Lunnainn, agus thagair e a chuis fhein le seoltachd is geiread facail a chuir ioghnadh air na feadhainn do nach b' aithn' e. Bha e ceithir fichead bliadhna aig an am, ach bha e cho aotruni iollagach 's ged a b' ann air banais a bha e, an aite bhi seasamh cuirte airson a bheatha. Fhuaradh ciontach e agus thugadh a mach binn a bhais. Ach cha do mheataich a chridhe, 's chaidh e dh' ionnsuidh na croiche mar gu 'm bu mhartarach naomh e.

Sgriobh fear a bha 'na chuideachd anns a' phriosan cunntas air seanchas is giulan Mhic Shimidh air an t-seachduinn mu dheireadh d'a bheatha, agus faodaidh sinn tigh'nn thairis air rud no dha de na tha e 'g innseadh. Ma 's fior an duine so, bha e Ian abhacais is fearas chuideachd, an dara h-uair a' toirt gaire air na na feadhainn a bha comhla ris le neonachas a sheanchais, 's an uair eile a' toirt comhairlean spioradail orra. Shaoileadh iad an dara h-uair nach robh e ach a' deanamh culaidh spuirt is feala-dha air fhein 's air an tsaoghal uile, ach uairean eile, shaoileadh iad gu 'm bu duine anabarrach diadhaidh e, le durachdas a chrabh- aidh is urnuighean. Sgriobh e litir gu mhac a tha cho spioradail, an cainnt 's an smuain, 's gu 'm faodadh i bhi air a sgriobhadh leis an abstol P61 gu Timoteus.

" Ged tha mis' ann an teanntaehd an drasd, tha mi cuimhneaohadh ort-sa, 's a' guidhe as do leth ri Dia. Tiiigidh tu a nis, a mhic ghaolaich, nacli 'eil anns an t-saoghal so aeli diomlianas nan diomhanas, 's nach 'eil earbsa ri chur ann an gairdean feola. Tha Dia a' riaghladh, agus is eiginn do dhaoine gabhail ri fhreaadal-san, co dhiu a cliordas e riu no naoli cord. Is sona an duine sin da-rireadh a tha leagte ri toil Dhe am measg doilghiosan na beatha so, le irioslachd is faighidinn. Is e an Trianaid bheannaiclite, an t-Athair, am MaOj's anSpiorad naomh, a blieir f uasgladh dhuit-sa 's dhomh-sa anns an t-suidlieachadh blioclid anns a bheil sinn. Is e ar peacanna a tliug an truaighe so oirnn, oir bhrosnuich sinn Dia. Ach le m'uile cliridhe, tha mi toirt buidheachas do Dhia air son nan amhghairean a thug orm cul a chur ris a

pheacadh anns an robh mi tigh'nn beo fad moran bhliadhnachan, agus a dhuisg aithreaolias aimam is deigh air mo Shlanuighear beannaioht' a leanntuinn. Tha mi eui- irapidh ortsa, a mliic ghaolaioli, do pheaeanna a tlireigsiun agus thu fein a thilgeil aig orann-eeusaidli Cliriosd, ag iarraidh air aitlireaehas a dhusgadh annad, agus do lochdau a mliaitheadh air sgatli f hulangais, agus air sgith na fala a chaidh a dhortadh air son plieacach. larr air do shaoradli a ribeaohan an drooli spioraid, an t-saogliail, agus na feola, oir bidli iad ro laidir air do shon, as eugmliais comhuadli uaitlie-san. Ma chuireas tu t-earbs' ann an losa Criosd, saoraidh e thu as do thrioblaidean uile. Tha mi guidh' ort, as uchd an Tighearu, thu fein a thilgeil air trocairean I)he a tha gun atharrachadh o linn gu liun. Dean so air do sgatli fhein, air sgath t-athar, 's air sgitli do pheathraichean 's do bhraithrean. Ma sheachnas tu am peacadh, 's ma ghluaiseas tu gu direach oeart, bidh beannaohd Dhe ort fhein, 's air do theaghlach, 's air do chairdean, ach mur gabh thu comhairle t-athar, bidh tu truagh anns ant-saoghal so agus truagh gu siorruidh anns ant-saoghal a tha ri teachd. Air mo shon fhein dheth, tha mi deas airson a' bhais, 's rachainn 'na ehoinneamh am maireaeh gu togarvaoh, ma 's e sin toil Dhe. Na biodh oui'am sam bith ort, ma ta, air mo shon sa. Tha mi toirt buidheachais do Dhia gu bheil deagh dhoohas agam, 'nuair a dh' fhilgas mi 'n saoghal so, gu 'm faigh mi sonas siorruidh ann an saoghal a's fhearr."

Dh' fheoraich e de dh' fhear a chaidh 'ga amharc anns a' priosan ciod a bharail air an litir a chuir e gu 'mhac. " Chord i gu maith rium-sa," ars' an duine, "tha mi 'n duil gur Htir ghasd' i." "Is e sin mo bharail fhein cuideachd," arsa Mac Shimidh, is litir Criosduidh i." Air do Mhaidsear airm fheoraich dheth, gu caoimhneil, ciamar a bha e, thuirt e " Tha mi gu maith, tha mi 'g am uUachadh fhein airson aite anns nach bi moran Mhaidsearan is gle bheag de Sheanarailean."

Thugadh dheth an ceann Diardaoin, ach air madainn Diciadaoin sheinn e oran. Thuirt aon de dh' fhir-coimhead a phriosain ris gu'n robh e 'cur iongantas air, ciamar a b' urrainn e bhi cho mear 's am bas cho dliith. " Mear," ars' esan, " cha robh mi riamh ann am fonn a b' fhearr." 'Nuair bha e dol 'ga nitheadh fein, ghlaoidh e, "Thigibh an so, fheara, agus chi sibh ioghnadh, duine 'ga bhathadh fhein, a fhuair binn a chrochaidh." Bha e cridheil fad an latha, agus anns an oidhche thuirt e "Thoiribh dhomh piob thomhaca oir tha e coltach gur h-e so an toit mu dheireadh a gheibh mi, mur bi daoine ris a' phiob anns an ath shaoghal." An deigh dha sgur dhith, thilg e aisd' an smihr, ag radh " Tha greadhnachas mhic an duine mar smur tombaca." Thuirt cuid-eigin ris gu 'n robh e duilich mar dh' eirich dha. " A bheil thu 'n duil," ars' esan, " gu bheil eagal na tuaighe orm. Nach fhearr dhomh mo cheann achall leis an tuaigh, seach am bas fhaotainn le cailheamh no fiabhrus no meud-bhronn."

Chuir e gach ni air dealbh roimh 'n am gu h-ordail, mar gu 'm biodh e 'ga dheanamh sin air son neach eile. Chuir e mach an t-aodach a chuireadh e uime, thug e earail do bharbair a ghruag a chireadh gu snasmhor, 's dh' innis e d'a luchd frithealaidh c'ait an seasadh iad 's ciod a dheanadh iad aig uair a bhais. Bha e riamh car gaolach air spleadhachas, agus bu mhaith leis a thbrradh a bhi mor. Ach a thaobh an doigh anns an robh e a' criochnachadh a bheatha, chunnaic e nach gabhadh sin deanamh. Thuirt e ri chairdean gu 'n robh e aon uair 'na bheachd, a h-uile piobaire eadar tigh Iain Ghreota 's Duneideann fhaotainn gu thiodhlac- adh agus rud a thuirt dhaibh air a shon, ach " cha ruigear a leas," ars' esan, "a bhi bruidhinn air a sin a nis."

Air madainn Diciadaoin dhuisg e aig tri uairean is rinn e aoradh. Aig coig, dh' iarr e gloine fiona, 's aig seachd dh' iarr e fear eile. Bha e 'leughadh cho reidh socruch 's ged nach biodh uallach sam bith air 'inntinn, 's thuirt na feadhainn a bha leis gu 'n robh 'm barrachd crith 'nam feoil fhein no bha 'na fheoil-san. 'Nuair a chaidh e dh' ionnsuidh na croiche, 'sa chunnaic e an dumhlachd sluaigli a bha cruinn, thuirt e, "A Dhia, gleidh mi, nach b'e so an ub-ab airson aon cheann liath." Dh' iarr e 'n tuagh fhaicinn feuch an robh i geur, 's thug e deich buinn oir do 'n fhear a bha r'a bualadh, ag radh, " Feuch gu 'n dean thu tobair gu ceart 's nach beubanaich thu mo ghuaillean, air nea ma dh' eireas mi, bidh rud uime."

Cha bu ghealtair Mac Shimidh ri aghaidh bais, ach tha e ni 's dbcha gur h-e spiorad a' Ghaidheil is uabhar nam Frisealach a chiim suas a mhisneach, seach neochiontas a chridh' is neart a chreidimh. Faodaidh nach robh e 'ga mhealladh fhein no 'feuchainn ri daoin' eil' a mhealladh, ann a bhi labhairt cho sbluimte 's cho crabhach ann an deireadh a laithean. Ach bha 'n crabhadh mar fhasan aige riamh, 's cha'n 'eil e iongantach ged nach toirear geill d'a fhacaL Rachadh aige air dol an iomadh cruth, 's tha e duilich a radh c'uin a tha e 'g innseadh na firinn no c'uin nach 'eil. Bha bhreug cho deas leis ris an fhirinn, agus is bitheanta bha ainm na Trianaid air a bhilean 'nuair bha tratan Shatain 'na chridhe. Ach bha teanga ghsur 'na phluic agus bheir a sheanchas 'sa litrichean gair' oirnn a dh' aindeoin ar coguis.

B' e Papanach a bh' ann am Mac Shimidh, ach a reir coltais, cha robh e 'na mhac umhal 's a' chreidimh. Rinn sagairt a bh' ann an Srath- ghlais 6ran dha anns an d' thuirt e :

'S mairg a dheasaicheadh dhuit caisg. No chuireadh ola-bhais ri d' chreibh. No dh' eisdeadh ri d' fhaosaid gun stath, Mur dean thu faoilt ri grasan Dhe.

I

Air 3.

1910.

MAITHEANAS PHEACANNA.

O na doimlmeachdaibh ghlaodh mi riut, a Tkigk-

earna Saljm cxxx. Tha coig laoidhean deug ann an leabhar nan Salm ris an abrar, Laoidhean ?ian ceu?n cxx- cxxxiv. Tha diadhairean am beachd gu'n d' fhuair iad an t-ainm sin a chionn gu'm b'abhaist do'n luchd turuis a bhi 'g an seinn, 'nuair bhiodh iad a' dol suas gu lerusalem a choimhead nam feiltean. Aig amannan sonruichte de'n bhliadh- na bhiodh na h-Iudhaich, 'nan ceudan 's 'nam miltean, a' togail orra do'n bhaile naomh, chum iad fein a thaisbeanadh an lathair an Tighearna. Bha astar mor aig cuid dhiubh ri dhol, ach, am bitheantas, bhiodh bannal dhiubh comhla, 's bhiodh iad a' giorrachadh na slighe le bhi seinn laoidhean Shioin. Ged bhiodh ceum an luchd- turuis trom le sgiths, thigeadh sprachd iir annta, 'nuair thogadh an oigridh fonn nan salm :

Bha aoibhneas orm tratli thubhairt iad,

Gu tigh Dhe theid sinn suas ;

'Ad dhorsaibh, O lerusalem,

Ar cosa seasaidh f6s.

lerusalem, mar chathair i,

Thogadh gu dileas dliith ;

D'an teid na treubhan suas gu leir,

'S iad treubhan Dhe nan dill.

Tha laoidhean nan ceum goirid, 's tha chuid a's motha dhiubh sunndach, fonnmhor, 's air an aobhar sin, bha iad freagarrach, gu bhi air an seinn air a leithid sud de ch6mhdhail.

Is ann do na laoidhean so a bhuineas Salm 130, ach a chionn gu bheil i a' cur cainnt air feum anam an duine, tha i cho iir an diugh fhathast 's a bha i an la a rinneadh i. Tha 'n Salmadair ag innseadh dhuinn fiosrachadh anma fein, agus duisgidh a bhriathran co-fhreagradh ann an cridhe nan uile dhaoine a bhlais, mar rinn esan, trocair is maitheas Dhe. Cha'n 'eil e iongantach gu'm biodh oisean blath aig an t-salm so an cridhe na feadhnach a bha aon uair 's an dorchadas ach a fhuair solus. Tha 'n Salmadair a' gairm air na linntean uile Thigibh agus eisd- ibh ciod a rinn Dia airson m' anma. Bha e ann an gabhadh bais, gun fios aige ciod an taobh an tionndadh e, no ciamar a gheibheadh e cobhair. 'Na eiginn ghlaodh e air Dia, ach cha luaithe rinn e sin, no thainig an smuain thuige nach cromadh Dia a chluas ri uirnigh peacaich.

Chuimhnich e air naomhachd Dhe agus air a mhi -naomhachd fein agus thainig crith 'na fheoil. Ma chomharaicheas Dia aingidh- eachd, thuirt e ris fein, co a's urrainn seasamh 'na lathair? Cha 'n urrainn neach beo. Nam biodh Dia air bhior gu cothrom a ghabhail air daoine 'nuair a ghlacas e iad ann am mearachd, cha rachadh aon idir as. Nam b' fhearr leis peacaich a pheanasachadh seach a thearnadh,. bhiodh na h-uile gun dochas. Chuir an smuain eagal air an t-Salmadair, ach air dha cnuas- achadh car greis air obair is ruitean Dhe, thilg e bhuaith i, agus ghlac e misneach a rithist. Thuirt e ris fhein nach robh anns an smuain ud ach cagar o Shatan leis am bu mhaith droch thuaileas a thogail air Dia. Cha 'n 'eil Dia, ars' esan, cruaidh no an-iochdmhor ; tha e caomhal is truacanta, agus bheir e maitheanas do 'n aing- idh. Dhuisg an smuain so dochas ann an cridhe 'n t-Salmadair, dh' fheith e le faighidinn- ri Dia agus dh' iarr e air a thogail a nios as an doimhne. Mar fhear-faire sgith a' furachail air son glasadh an latha, bha fadachd air anam gus an deanadh Dia cobhair air. Ach mu dheireadh dh' eisd Dia ri ghlaodh agus thug e furtachd dha. Chuir maitheas Dhe oran nuadh am beul an t-Salmadair, air chor 's gu bheil an laoidh a' criochnachadh le moladh, ged thoisich i le caoidh. Tha e gairm air Israel uile earbsadh ann an Dia a thug dha fein saorsa, oir aig an Tighearna tha trocair agus saoraidh e iad o'n eucairtean.

Is iad sin na smuaintean a bh' ann an cridhe 'n t-Salmadair 'nuair a sgriobh e an laoidh so. Tha i Ian de spiorad an t-soisgeil, 's tha i cur 'n ar cuimhne gu bheil Dia trocaireach 's nach diult e maitheanas dhaibhsan a dh' iarras e gu durachdach,

I. Tha mi creidsinn ann am tnaitheanas- pheacaniia. Tha 'n fhirinn so a' faotainn ait' ann an creud gach meur de'n Eaglais Tha na h-abstoil uile de'n aon inntinn air a' chuis. Cha b' urrainn dhaibh a bhi air atharrachadh, oir chual iad le'n cluasan Criosd ag radh gu bheil ughdarras aig Mac an duine peacanna a mhaith- eadh, agus chunnaic iad le'n suilean feadhainn ris an d' thubhairt e Tha do pheacanna air am maitheadh dhuit. Ged nach do Ian thuig iad iomadh rud eile air an do labhair e riu, cha b'' urrainn dhaibh mearachd a dheanamh anns art rud so, oir thainig e thairis air cho bitheanta.

10

agus labhair e air ann an doigh shoilleir shimp- lidh. 'Nuair a dh' innis e dhaibh mu'n ghaoth- aran gh6rach ris an do ghabh 'athair cho caomhal an deigh dha 'cholunn 's a chliu a mhilleadh le ruidhteireachd, bha e aige 's an amharc gu'n tuigeadh iad gur h-ann mar sin a ni Dia, 's nach diuit e maitheanas do pheacach sam bith a thig thuige gu h-airhreachail. 'Nuair a dh' innis e dhaibh mu'n chis-mhaor a rinn urnuigh anns an teampull, bha 'n f hirinn cheudna 's an t-sealladh aige. Ann an aon fhacal, tha maitheanas pheac- anna air a sgriobhadh anns an Tiomnadh Nuadh ann an litrichean cho mor 's nach h-urrainn eadhoin dhaibhsan nach toir suil air, ach an drasd 's a rithist, gun amas air an fhirinn so. Ach ged tha 'm Biobull a' teagasg maitheanas pheacanna, 's ged tha 'n creidimh so a' toirt comhfhurtachd is misneach do na miltean a tha creidsinn gu'n do chuir Dia foluch air an cionta, cha'n 'eil e furasd idir a radh ciod a tha maith- eanas a' ciallachadh. Tha e duihch cunntas ceart a thoirt air maitheanas eadar duin' is duine, ach tha e ni's duiliche cunntas a thoirt air eadar Dia is duine. Ann an aon seadh, tha maith- eanas a' ciallachadh saors' o pheanas. Is e so an taobh de 'n fhirinu air an do ghreimich an cinneadh daonna an toiseach, agus faodaidh gur h-e so an aon taobh air an seall iadsan nach d' thainig fhathast gu ire duine ann an nithean spioradail. Ach ged a dh' fhaodas maitheanas saors' o pheanas a ghiulan 'na lorg, tha e ciall- achadh tuilleadh is sin. Faodaidh duine gun peanas a dheanamh air neach a thoill e, agus fathast gun maitheanas a thoirt dha. Agus faodaidh e maitheanas a thoirt dha agus a pheanasachadh aig a' cheart am. 'Nuair tha duin' a' toirt maitheanais do charaid no do choimhearsnach a rinn cron air, cha 'n e mhain nach 'eil e 'g iocadh peanas airson an uilc, ach innsidh e dha nach ruig na thainig eatorra a leas an sgaradh o cheile, no an t-seann daimh anns an robh iad a bhriseadh. Is e gath an uilc an sgaradh a tha e deanamh eadar duin is duine, an t-amharus a tha e togail, agus am fuachd a tha e dusgadh. Tha 'm peacadh a' deanamh a' cheart ni eadar Dia is duine. Ach 'nuair tha Dia a' maitheadh cionta, tha e, mar gu'm b'eadh, a' tionndadh aghaidh as ur ris a' chiontach, a' briseadh sios am balla-dealachaidh a bha eatorra, agus a' toirt as an rathad na bha 'gan cumail o cheile. Tha e nadurra do dh' anam an duine bhi ann an daimh chairdeil ri Dia, agus is e fath a bhrdin, ma pheacaicheas e, gu bheil an daimh sin air a briseadh, ach 'nuair tha Dia a' toirt maitheanas dha, tha 'n seann chairdeas air a shlanuchadh 's tha 'n t-anam a' faotainn misnich gu bheil cuisean eadar e fein is Dia m^r bu choir dhaibh a bhith. Tha e faireachduinn nach 'eil gruaim air Dia ris, agus duisgidh an creidimh sin ann, dbchas ur, a thklaidheas e ni's dltiithe do Dhia 's do naomhachd.

II. Ged bu mhaith le Dia maitheanas a thoirt do na h-uile, tha e fior, mar an ceudna, nach 'eil na h-uile, 'ga fhaotainn. Carson a tha sin mar sin ? Faodar a bhi cinnteach nach 'eil claon bhaigh aig Dia ri neach seach neach eile, agus gu bheil e riaghladh ann an ceartas. Tha na sgriobtuirean ag radh gur h-e iadsan a ni aith- reachas a gheibh maitheanas, ach faodar an rud a chur ann an doigh eile agus a radh, gu'n toir Dia maitheanas dhaibhsan a tha airidh air. Cha 'n urrainn sinn sealltuinn mu'n cuairt oirnn gun fhaicinn gu bheil cuid de dhaoine airidh air maitheanas, agus cuid eile nach 'eil. Ciod a theirear ris an duin' a rinn gniomh olc, cealgach, an-iochdmhor, ach nach do ghabh naire dheth fhein no aithreachas do 'n chron a rinn e, agus a dheanamh a' cheart ni cho togarrach am mair- each nam faigheadh e cothrom ciod ach nach b' f hiach maitheanas a thoirt dha. A reir coltais, tha spiorad an duine cho olc 's a chridhe cho cruaidh 's gur coingeis leis an eucoir. Tha ar coguis nadurra a' diteadh a leithidh sin de dhuine, agus ni Dia an ni ceudna, oir is fuath- ach leis olcas an duine mar nach fuathach eadhoin le 'r coguis-ne. Ach 'nuair a chi sinn gu bheil duine gabhail naire do'n olc a rinn e, air dha tigh'nn thuige fein an deigh laimhe, gu bheil e 'g aideachadh a chionta gu saor, 's a' cur roimhe le durachd nach dean e rithist e, gu bheil na rinn e a' luidhe gu trom air a choguis, 's gu bheil e ni's cruaidhe air fhein no tha duin' eile, cha 'n urrainn sinn gun a thaobh a ghabh- ail, 's ar tianuis a thogail gur h-airidh e air maitheanas, agus gu'm bu don' an duine nach tugadh dha e. Tha ar coguis nadurra ag iarradh cothrom a thoirt d'a leithid sin de dhuine, agus a chionn gu bheil gradh is ceartas is caomhalachd Dhe ni's airde no ar coguis-ne, bheir e maith- eanas, an da chuid, gu saor agus gu pailt. Cha'n e 'm peacadh a tha Dia idir a maitheadh ach am peacach, agus cha 'n ann air lionmhoireachd nam peacanna a sheallas e, ach air spiorad an duin' a rinn iad. Ma tha e faicinn comharadh sam bith anns an duine gur fhiach maitheanas a thoirt dha no gur h-airidh e air truas no baigh, nochdaidh e trocair, agus cuiridh e folach air a chionta.

III. Cha 'n 'eil maitheanas a' ciallachadh nach diol am peacach anns an t-saoghal so air- son an uilc a rinn e. Bhiodh e dana dhuinn a radh ciod a thachras anns an ath shaoghal, ach faodaidh e bhith gu'n diol eadhoin na naoimh airson gach peacaidh a rinn iad 's an fheoil, 's gu'n teid miltean bliadhna seachad m'an ruig cuid dhiu air an inbhe spioradail aig each. Ach ciod air bith a thachras air taobh thall na h- uagha, tha e fior gu'm buain am peacach anns an t-saoghal so an ni a chuir e, co dhiu a fhuair e maitheanas no nach d' fhuair. Ma bha duine 'na dhrongair, no ma pheacaich e an aghaidh a chuirp, air dhoigh eile, cha ghlan aithreachas

11

fhuil 's cha sl^nuich trocair Dhe a ghruthan. Tha thuarasdal fein, gu nadurra, an cois gach peacaidh, agus cha ghabh e seachnadh. Cha 'n 'eil ar peacanna air an toirt air falbh anns an t-seadh, gu bheil sinn mar nach do rinn sinn riamh olc. Cha 'n 'eil, 's cha bhi. Fagaidh eadhoin am peacadh anns an d' fhuair sinn maitheanas a larach 'na dheigh, agus gu la ar bais is misde sinn e, oir gheibh sinn annainn fhein na droch thogarraidhean a dh' fhag e. Ach bheir Dia air falbh ar peacanna, anns an t-seadh, gu'n gabh e ri ar-n aithreachas, gu'n nochd a fhabhar dhuinn ged tha sinn ciontach, 's gu'n leig e sholus 's a ghradh thugainn mar gu'm bitheamaid airidh orra. Brisidh e am balla •dealachaidh a bha seasamh eadar e fein is sinne, air chor 's gu'm faigh ar-n anam co-chomunn ris. Tha e cur folach air ar peacanna, cho fad 's a bha iad a' dunadh na slighe 'ga ionnsuidh fein. Is e so a' bheannachd a's priseile a tha leantuinn maitheanas pheacanna, oir is e co-chomunn ri Dia beatha 'n anma. Ghiulaineadh an duin' aithreachail peanas a pheacanna gu toileach, nan tionndadh Dia aghaidh ris ann an gradh 's an reite.

IV. Cha 'n 'eil maitheanas a' fagail an duine mar bha e roimhe. Tha e 'g atharrachadh a smuaintean air Dia 's air a dhleasdanas. Tha e dusgadh ann misneach is dbchas, agus oibrichidh dbchas miorbhuilean. Tha maitheanas dha mar theisteanas gu bheil earbs' aig Dia as, agus duisgidh sin dilseachd ann, air chor 's gu'm bi e airidh, ri uine, air an earbs' a chuir Dia ann. Tha maitheanas mar so ag oibreachadh naomh- achd annta-san a fhuair e. Tha caomhalachd is maitheas Dhe a' leaghadh cruas an cridhe, 'sa' dusgadh annta taingealachd a bhrosnuicheas iad gu seirbhis a dheanamh do'n Tighearna le 'n uile chridhe. Feumaidh sinn uile a radh gu'n do pheacaich sinn mar rinn ar-n athraichean romh- ainn. Ciod am milleadh a rinn ar peacanna air ar beatha cheana, cha 'n urrainn dhuinn a thomhas. Ciod am brbn a dh' aobharaicheas iad dhuinn anns na bliadhnachan ri teachd,- is ann aig Dia a mhain tha fios. Ach tha Dia trocaireach agus bheir e maitheanas ged a smachdaicheas e. Agus is fhearr smachdachadh le maitheanas seach suaimhneas gun reite.

O'n doimhne, o lehobhah Dhe, Do ghlaodh mi riutsa suas : Dhia, eisd ri m' ghuth gu furachar ; 'S ri m' urnuigh crom do chluas.

lONGANTAS IS AORADH.

Tha cuid de bhriathran Chriosd nach d' fhuair ait' anns an Tiomnadh Nuadh air an gleidh- eadh air chuimhne le beul aithris na h-eaglais,

agus tha cuid eile air an tasgadh suas ann an seann sgriobhaidhean. Faodaidh e bhith nach do labhair e idir cuid de na facail sin a thatar a' fagail air, ach tha feadhainn dhiubh air a bheil dreach na firinn. O chionn beagan bhliadh- nachan, dh' amais sgoilear a bha ruamhar airson sheann chrogan air paipeir anns an robh na facail so air an sgriobhadh, Na sguireadh esan a shireas gus am faigh e, agus 'jiiiair a gheibh e bidh iongantas air, ach air dha iongantas a ghabhail, ruigidh e an Rioghachd, agus 'nuair a ruigeas e an Rioghachd, gheibh efois.

Ma labhair Criosd na briathran so, tha e coltach gur h-e 'n smuain a bha 'na inntinn aig an am, gur h-e Iongantas an iuchair a dh'fhosglas dorus an teampuill anns a bheil glbir Dhe ri fhaicinn. 'Nuair a bhasaicheas Iongantas ann an cridhe mhic an duine, tha e fas dall, agus ged a bhios gl6ir an Uile-chumhachdaich a' dealradh mu'n cuairt air, cha leir dha i. Tha sinn an dull gu'n robh an smuain so ann an inntinn Chriosd 'nuair thuirt e mu na leanaban Is ann d' an leithidibh sin a tha rioghachd neimh. Tha 'n saoghal, do'n chloinn bhig, mar theampull a tha Ian de dh' iongantasan, oir tha suil is cluas a' bhaird aca agus cridhe nan ainglean. Chi iad seallaidhean a tha foluichte o shuilean dhaoine glic is eagnaidh, agus cha chuireadh e ioghnadh sam bith orra ge thachradh Dia orra, oir tha iad an garadh Eden fathast, 's tha iad a' creidsinn gu bheil esan ag imeachd 's a' gharadh am fionn- arachd an Ik. Tha muir is tir sgeadaichte le solus neamhaidh, agus chi an suilean mais' is miorbhuilean anns a' cliruthachadh nach faic an athraichean. Ann an lubadh nan geug, chi iad na craobhan a' bualadh am bas, agus ann am fuaim na gaoithe is torman an uillt, cluinnidh iad osnaichean o spioradan beo. Tha druchd na maidne air gach ni mu'n cuairt orra, agus bheir mac-meamna an inntinn fein air an dithreabh fas ait agus tigh'nn fo ^bhlath mar an rbs. Cha'n e mhain gu bheil iad dluth do rioghachd Dhe, ach tha iad 'na teis meadhoin. Tha 'n saoghal dhaibh mar liichairt aillidh anns a bheil deich mile seomar lah de sholasan. Cha 'n fhas iad sgith de na h-iongantasan tir'a chi iad gach latha, oir is leothafeinna chi iad. Cha'n 'eil iad a'fair- eachduinn gur coigrich iad anns an liichairt, no nach buin an saoibhreas 's an greadhnachas a chunnaic iad dhaibh, oir cha 'n 'eil teagamh aca nach h-ann le 'n Athair a tha 'n luchairt, agus do bhrigh gur h-ann, is leosan i mar an ceudna. 'Nuair a chailleas duine spiorad a' phaisde, caillidh e spiorad an aoraidh agus comhara na h-oige. Fasaidh a' chridhe preasach cho mhaith ri 'aodann, agus cha bhi fradharc no claisteachd aige do na seallaidhean 's do na guthan a bu choir Iongantas a dhtisgadh 'na chridhe. Ciod air bith a dhuisgeas Ioghnadh annainn, is meadhon grais e. Tha facal Dhe

12

ni's motha no 'm facal a tha sgriobhta anns a' Bhiobull. Rainig fuaim a ghutha duthchannan nach do rainig a leabhar naomh. Tha e taisb- eanadh a ghloire 's a chumhachd ann an iomadh doigh a bharrachd air an taisbeanadh a thug e le bhriathran do fhaidhean 's do dh' abstoil. Duathaireachd na mara, glbir nan speur, maise nam machraichean, aai fli^ir a's lugha 's a bheinn a's maireannaiche tha iad nil' a' searmonach- adh cumhachd is maitheas is diomhaireachd Dhe.

'Nuair a dh' amhairc an Salmadair air a' gheal- aich 's air na reultan, bhruchd cumhachd is gliocas Dhe a steach air anam, air chor 's gu'n do ghlaodh e le h-ioghnadh Ciod e an duine gu'n amhairceadh tu air, no mac an duine gu'm fiosraicheadh tu e. Ged is aithne dhuinn an diugh barrachd mu na reultan 's a b' aithne dhasan, tha 'n speur cho Ian ioghnaidh fathast 's a bha i 'nuair a dhealraich na rionnagan air lacob ann am Betel. Ann an aon seadh, tha eolas a' fogradh ioghnaidh, ach ann an seadh eile, tha e 'ga dhublachadh. Ma shaoileas esan aig a bheil sbruileach ealadhain gu'n do chuairt- ich e le inntinn bhig fhein an cruthachadh uile is oibrichean miorbhuileach Dhe, cha 'n a eolas no barrachd gliocais a bheir air sin a shaoilsinn, ach an t-aineolas 's an ladarnas. Ma tha 'n t-eolas air an do rainig mac an duine a' tilgeadh soluis air nithean a bha cuairtichte le tiugh dhorchadas roirahe so, tha e, mar an ceudna, a' nochdadh dha gu bheil aird is doimhn' is farsuingeachd ann an cruthachadh Dhe nach do shaoil e. Tha e fogradh aon seorsa iogh- naidh gu bhi toirt ioghnaidhean a's motha 's an t-sealladh, agus cha 'n ann o dhaoin' aineolach ach o dhaoine glic is eagnaidh, a chluinnear a nis am facal, Cia iongantach is do-rannsaichte, t-oibrichean, a Dhe. Thug gloineachan nan speuradairean a' ghealach cho dluth dhuinn 's gur h-ailhne dhuinn coslas a h-aghaidh ni's fhearr na b'aithne d' ar-n athraichean an Afric no na h-Innsean, agus tomhsaich luchd ealadhain cud- throm na greine is astar a' ghrioglachain. Ach ma thug iad a' bhairlinn do bhodach na geal- aich, 's ma dhearbh iad nach robh ann ach mealltair nach robh cho iongantach no cho eagallach 's a shaoil sinn aon uair, chuir iad ioghnadh a's motha 'na aite

Co dhiu a bheachdaicheas sinn air meud is farsuingeachd a' chruthachaidh, no air a' mhaise leis a bheil e air a sgeadachadh, no air an riagh- ailt leis a bheil gach ni air an cumail 'nan aite, duisgidh e ioghnadh 'nar cridhe air nach h-urr- ainn sinn cainnt a chur. Tha 'n cuan farsuing, agus gabhaidh na longan a sheolas air cunntas, ach an drasd 's a rithist theid iad a mach as an cursa, agus bualaidh iad 'na cheile. Ach cha dean esan aig a bheil ailm a' chruinnece 'na asgail mearachd. Tha mile agus deich mile

saoghal cuid dhiu mile uair ni's motha no 'rt saoghal so a' siubhal gun sgur troimh fhars- uingeachd an domhain mhoir, le luathas nach gabh innseadh, ach tha iad uile air an cumail 'nan aite le lamh chumhachdacih an Ti a dhealbh iad. Aig aon am bha daoine 'n dull gu'm b'e 'n saoghal so teas-meadhoin a' chruthachaidh, 's nach robh anns na reultan ach eibhlean soluis air an crochadh anns an speur chum ceuman luchd siubhail na h-oidhch' a stiuradh. Ach an diugh thatar a' faicinn nach 'eil anns an t-saoghal so ach neo-ni anns a' chruthachadh, cho beag 's nach gabh e comharachadh am measg nan reultan eile, leosan a dh' fhaodas a bhi comh- nuidh ann a h-aon de na saoghal a tha snamh mu'n ghrein. Thug Dia taisbeanadh do na speuraidean cho cinnteach 's a thug e do'n Abstol Eoin, agus tha 'n teachdaireachd a chuir e thugainn leis na gloineachan amhairc acasan, cho fior ris an teachdaireachd a labhair e leis na faidhean. Ma tha 'n speur a' nochdadh gloir Dhe, tha speuradaireachd a' nochdadh cumh- achd inntinn mhic an duine.

Cha 'n 'eil ceann no crioch aig a' chruthachadh. Ged a shiubhlamaid air sgiathaibh na h-oidhche gu iomall nan speur, cha tugamaid ach aon cheum anns an fharsuingeachd neo-chriochnach. Chitheamaid saoghail ura tigh'nn 's an t-sealladh, 's ged shiubhlamaid le luaths an dealanaich fad miltean linn, cha ruigeamaid crioch a' chruinne- ce, 's cha 'n fhaiceamaid ach earJais bheag de na saoghail do-aireamh a tha siubhal anns an fharsuingeachd nach gabh tomhas. Nam biodh an saoghal so 's na th'air uachdar, air a thilgeil ann an cridhe na greine, cha bhiodh ann ach duradan beag 'na teis-meadhoin, ach cha 'n 'eil anns a' ghrein fhein ach rionnag bheag a tha siubhal mu'n cuairt air grian a's motha. Clia 'n 'eil e comasach do dhuine beachdachadh air na nithean sin, gun ioghnadh is irioslachd a bhi air an dusgadh ann, an lathair an Ti a chruthaich na neamhan 's a tha riaghladh os an cionn. Is e 'n t-siorruidheachd, da rireadh, ionad comh- nuidh-san, agus is coir urram a thoirt dha, oir molaidh na neamhan 'iongantais, agus nochdaidh; an cruthachadh nearta ghairdean.

Ciod e Dia no ciod e 'ainni ?

Cha tuig na h-aingil 's airde 'n gUiir.

Tha e 'na sholus dealrach glan,

Far nach ruig suil no smuain 'na choir.

Cha robh e bg, is sean cha bhi, O shior gu sior gun chaochladh staid ; Cha tomhais grian no gealach aois ; Oir 's nithean caochlach iad air fad.

'Nuair chuala neo-ni guth a bheoil,

Grad leum 'na bith a' chruitheachd mhor,.

An cruinne so le 'uile Ian,

'S na neamhan ard le 'n uile shloigh.

I

ft

SI

■■^.

Air 4.

1910.

ELIAH.

Carbad Israeli agus a mharc-shluagh.

2 RiGH ii., 12.

An uair a dh' innis aingeal an Tighearna do Shacharias gu'ni beirteadh mac dha air an toir- eadh e Eoin mar ainm, thuirt e ris mar an ceudna Bidh e mor ann an lathair an Tighearna, agus theid e roimhe ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliab. Thuig an seann sagairt gu maith ciod a bu chiall do'n fhacal. agus rinn a chridhe gairdeachas a chionn gu'n robh Dia a' dol a thogail suas as a theaghlach-san, faidh a bhiodh airidh air ainmeachadh anns an aon an- ail ri Eliah. Bha aite aig Eliah ann an cridhe nan ludhach nach rcbh aig neach eile riamh : bha e dhaibh mar tha Iain Noes do mhuinntir Albainn. Bha eachdraidh a bheatha air a cumail air chuimhne gu curamach ann am beul-aithris an t-sluaigh. Tha aon de na baird ag innseadh ciamar a bhiodh sluagh na Gaidhealtachd a' cur seachad na h-oidhche gheamhraidh, ri linn oige. Bhiodh gach seanair aosmhor liath, 'G innseadh sgialachdan gun gho, Air gach gaisgeach fearail, greannmhor, Bha 's a' ghleann 'nuair bha iad bg. Bhiodh seanairean nan ludhach a' deanamh an ni ceudna. Bha iad gaolach air eachdraidh an duthcba, agus bhiodh iad a' cur smuais anns an oigridh le sgeulachdan air treubhantas nan laoch a bha treun ann an cath agus a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach. Cha robh aon de na sgeulachdan sin a bha cho taitneach le sean is 6g ris na sgeulachdan a bhiodhteadh ag aithris air Eliah. Bheireadh iad air am fuil fas teth, mar a bheir euchdan Bhruce air fuil Albannaich. Mar a b' fhaide bhuapa bha Eliah a' dol, is ann a b' airde bha chliu ag eiridh, gus mu dheireadh an robh e am measg nam faidhean eile mar tha Beinn Nibheis am measg nam beann. Ri linn an fhaidh Malachi, bha fiuthair aca gu'n tigeadh e air ais anns an fheoil, agus an uair a chualas iomradh air na miorbhuil- ean a bha Criosd a' deanamh ann an Galile, bha cuid am beachd gur h-e Eliah a thainig air ais. Bha e air a mhonmhur am measg an t-sluaigh gu'n d' bl e uisge na beatha 's nach luidheadh aois air, agus gu'n cuireadh Dia 'g an ionnsuidh e an uair a bhiodh cor na duthcha cho iosal 's nach b' urrainn dhaibh fein cuisean a leasachadh.

Thuirt feadhainn de dheisciobuil Chriosd gu'm fac' iad Eliah maille ris air beinn a' chruth- aiharrachaidh, agus shaoil cuid de na bha 'nan seasamh aig a' chrann-ceusaidh gur h-ann air a bha Criosd a' gairm, an uair a ghlaodh e Eli Eli. lama sabachthani.

Tha so uile a' leigeil fhaicinn dhuinn an greim laidir a rinn beatha 's euchdan an fhaidh air inntinn nan ludhach. Bha rudeigin anns an duine nach robh a thaobh an t-saoghail so. Cha robh fios aca co as a thainig e, no c' ait an deachaidh e : bha bhreith cho diomhaireach ri bhas. Bha e dhaibh mar Mhelchisedec, gun sinnsearachd, gun toiseach laithean no deireadh beatha. Cha b' aithne dhaibh e ann an laithean oige, oir cha d' thainig e am follais gus an robh e ann an lanachd a neirt. Cha robh e coltach ri daoin eile 'na phearsa no 'na ghiulan. B'e aodach, falluinn mholach is crios leathair, agus b'e ionad comhnuidh, uaimhean nam beann. Bha nadur a' mhanaich ann, agus bu choma leis seanchas dhaoine no gleadhraich nam bailtean. Ann an uaigneas an fhasaich bha co sheanchas aige ri anam fein 's ri Dia. Cha nochdadh se e fein am measg dhaoine gus am biodh facal an Tighearna mar theine loisgeach 'na chnamhan, ach an sin thigeadh e orra gun rabhadh mar thuil. Cha bu luaithe liubhradh e a theachd- aireachd na rachadh e as an t-sealladh, agus bha amharus aig moran de'n t-sluagh gu'n robh Dia 'ga ghiulan o aite gu aite air sgiathan na gaoithe. Chitheadh iad e far nach robh fiuthair aca ris, an drasd bhiodh e aig sruth Cherit, 's a ris ann an coilltean Charmeil ; aon uair chluinnt- eadh gu'n robh e air beinn Horeib, ach ma'n gann a b'urrainn e an t-astar a shiubhal, chluinnt- eadh gu'n robh e aig cladach Shidom ; o bheinn gu beinn, o bhaile gu baile, o ghleann gu gleann, shiubhladh e le luathas neo-nadurra, air chor 's nach 'eil iongantas air bith gu'n do shaoil daoine gu'n robh cumhachd neo-thalmhaidh aige.

Cha ruig sinn a leas moran iomraidh a thoirt air an obair a rinn an duine naomh is treun so airson a dhuthcha. Tha 'n obair sin sgriobhta ann an eachdraidh Israeli, agus ghiulain i toradb fad iomadh linn. Chuir a choltas 's a ehainnt iongantas air an t-sluagh an toiseach, agus cha robh fios aca co dhiu a theireadh iad faidh no amadan ris, ach mar bha na bliadhnachan a' dol seachad, 's a bha iad a' faicinn gu'n robh a bhriathran air an seulachadh le miorbhuilean.

14

thuig iad gu'm bu teachdair o Dhia e, da-rireadh. Cha robh feum aige air teisteanas o dhuine beo, oir bha theisteanas an clar aodainn, 's bha cumhachd an Spioraid air a ghiulan. Ged a bha e comhnuidh ann an uaigneas nam beann, chual e mu dhol a mach an righ, agus las a ciiorruich. Air comhairle a dhroch mhnatha chuir Ahab air chois ann an Samaria altair do Bhaal, agus ann am beagan nine bha sagairtean Bhaail cho tiugh anns an duthaich ris na fionnain fheoir. Chunn- aic Eliah nach b' fhada gus an deanadh na h-iochdarain mar rinn an t-uachdaran, 's gu'm biodh cridheachan an t-sluaigh air an tarruing air falbh o Dhia an atharaichean chum aoradh a dheanamh do dhiathan breige. Chuir e fearg air gu'm biodh de dhanadas aig duine a bha 'na shuidhe air righ-chaithair Israeil eas-urram a thoirt do lehobhah, an Dia a bheannaich a shinnsearan 's a shaor iad le cumhachd a ghaird- ein, agus chuir e naire air gu'm biodh an sluagh cho neodhileas d'an creidimh, 's gu'n leigeadh iad eadhoin leis an righ fein toibheum a thoirt do Dhia. Ghlac EUah a bhata, chrioslaich se e fein agus thog e air gu cuirt an righ, chum fianuis a thogail an ai^haidh na h-eucoir. Bha facal an Tighearna mar theine 'na chridhe, agus cha b'urrainn e cumail air fein. Fad uile laith- ean a bheatha tuilleadh ghleachd e an aghaidh cuilbheirtean an righ 's a mhnatha, agus an aghaidh aingidheachd spioradail ann an ionadan arda. Ach bha Dia 's an fhirinn air a thaobh, 's ged a bha 'n cath searbh is fada, shaor e a dhuthaich o chreidimh Bhaail, agus bhbidich an sluagh nach deanadh iad seirbhis do dhia eile ach lehobhah a mhain.

Ma bha teachd Eliah diomhaireach ciod a theirear ri fhalbh ? Tha am fear a sgriobh leabhar nan Righrean ag radh nach do bhlais e bas, ach gu'n do thog Dia suas e gu neamh ann an iom-ghaoith. Thainig guth an Tighearna 'ga ionnsuidh agus dh' iarr e air aghaidh a thionn- dadh gu beanntan Nebo. Tha e collach gu'n robh amharus aig Eliah ciod a bha ri tachairt, oir ma'n d' fhalbh e air a thurus deireannach, chaidh e mu'n cuairt sgoilean nam faidhean bga chum beannachd fhagail aca. B' ann orrasan a thuiteadh uallach an latha, an deigh a bhais, agus bu mhaith leis aon earail dhurachdach a thoirt dhaibh 's an dealachadh. Am measg nan deisciobul bga, bha aon fhear d' an d' thug Eliah gradh mor. B'e sin Elisha, a bha dha mar bha Timbteus do Phol. B'e aoibhneas Elisha frithealadh a dheanamh do'n t-seann fhaidh, agus chuir e roimhe gu'n rachadh e maille ris gu Nebo. Ach bha eagal air Eliah nach seasadh a chridhe ris an t-sealladh a chitheadh e, agus dh' iarr e air gu caomhal gun dol ann.

" Fan an so," thuirt e ris, "oir chuir an Tigh- earna mise gu lordan." Ach cha dealaicheadh Elisha ri mhaighstir agus fhreagair e " Mar is beo an Tighearna, agus mar is beo t-anam, cha'n

fhag mi thu." Bhuail am faidh uisgeachan na h-aibhne, 's chaidh e fein 's a chompanach thairis oirre air chasa tioram, agus an uair a bha iad a' gabhail air an aghaidh agus a' comhradh, feuch carbad teine agus eich iheiiie a dhealaich o cheile iad agus chaidh Eliah suas le h-iom-ghaoith do na neainhan. Cha 'n fhaca suil duine an sealladh ud ach Elisha, agus cha robh e iongantach nach tugadh daoine Ian gheill dha, an uair a thill e air ais 's a dh' innis e ciod a thachair. Chuir mic nam faidhean leth-cheud fear treun a mach a shiubhal an t-sleibhe 's nam beann, ach ged a shiubhal iad fad tri laithean, cha d' fhuair iad Eliah. Cha robh e ann, oir thug Dia leis e.

Tha e furasda gu leor a thuigsinn gu'n do rinn Eliah obair mhor is mhaith ann an Israeil, ach cha 'n 'ail e cho furasd a thuigsinn carson nach do bhlais e bas mar dhaoin eile. Faodaidh e bhith gu'n robh an sluagh cho as-creidmheach aig an am, 's nach gabhadh iad ris na firinnean a dh' fhoillsich Dia dhaibh le beul an fhaidh, mur faiceadh iad comharraidheun is miorbhuil- ean. Cha 'n 'eil teagamh nach robh so anns an amharc aig an fhear a sgriobh cunntas air a bhas, agus aig Elisha o'n d' fhuaradh an naigh- eachd an toiseach. Na'n d' fhuair Eliah sineadh laithean an deigh 'obair a chriochnachadh, agus na'n deachaidh e gu siorruidheachd troimh gheatachan a' bhais mar chaidh a choimhears- naich, dh' fhaodadh a theagasg 's a ghniomharan a bhi air an dichuimhneachadh, ach an uair a sheulaich Dia obair a sheirbhisich le thogail suas gu neamh gun bas fhulang, bha inntinn is cridhe na duthcha air an glacadh air mhodh sonruichte, agus cha leigeadh an sluagh as an cuimhne gu brath beatha 's teagasg an duine naoimh. Co dhiu a sheallar air bas Eliah mar mhiorbhuil no mar chosmhalachd, faodar a radh gur h-e sud an doigh a ghabh Dia chum ughdarras spioradail an fhaidh a nochdadh d'a shluagh ann an 6g- mhaduinn a' chreidimh, 'nuair a bha Israel fathast ann a staid a leanabachd.

Cha ghabhadh briathran a bu fhreagarraiche bhi air an sgriobhadh air earn Eliah no na briathran a labhair a sheirbhiseach M' athair, m' athair, carbad is marc-shluagh Israeil. Is e bha Elisha a' ciallachadh, gu'n robh fireantachd Eliah 'n a' bhalla-dion do Israeil. Bha fhacal cho cumhachdach ri mile carbad cogaidh is deich mile marc-shluagh. Chum e an rioghachd gun dol air seacharan gu buileach o Dhia, agus gun ceartas is firinn a threigsinn. Cha 'n ann an lionmhoireachd shaighdearan no luingeis chogaidh a tha mbrachd rioghachd a co-sheas- amh, ach ann an onoir is firinn is ceartas a sluaigh. Ardaichidh fireantachd cinneach, ach is e am peacadh masladh sluaigh. Bha urnuigh- ean is gniomharan is fireantachd Eliaih mar armailt air taobh Israeil. B'e am facal a bu bhitheanta air a bhilean, An Tighearna Dia, an lathair a bheil mi a'm sheasamh. Sheasadh e

J

-4,

J

r «

I

I

15

air beulthaobh righrean, 's cha chuireadh am fearg no am maoidheadh eagal air, oir b'e Dia a thearmunn agus a neart. Bha e faireachduinn gu'n robh ainglean Dhe 'ga dliion 'n a dhol a mach, 's 'n a theachd a steach. Ma thug so misneach dha, rinn e iriosal e mar an ceudna.

A' BHRIOGAIS LACHDUNN.

Bu mhor an tamailt a chuir lagh Bhreatuinn air na Gaidheil ann an 1747, an uair a thoirmisg e dhaibh an deise Ghaidhealach a chosg. Bha e ceart gu leor gu'n toirmisgeadh lagh na duthcha dhaibh airm a ghiulan, oir cha b' urrainnear dol an urras orra nach tugadh iad ionnsuidh eile air son a' Phrionnsa. Bha e searbh le cinneach uaibhreach an airm a liubhairt d' an namhaid, ach bha e seachd uairean na bu tamailtiche leo a' bhriogais lachdunn a tharruing suas m'am masan, le ordugh Parlamaid.

Cha 'n 'eil e iongantach gu 'n duisgeadh am mac-mallachd an cridhe na feadhnach a chuireadh air am mionnan, nach cuireadh iad suas bad de'n deise Ghaidhealaich gu brath tuill- eadh. B'e so a bhbid a b' fheudar dhaibh a thoirt :

" Tha mi toirt mo mhionnan, mar a fhreagras mi do Dhia aig latha mora' bhreitheanais, nach 'eil's nach bi agam gunna, claidheamh, daga, no arm sam bith eile, agus nach cuir mi orm breacan no feileadh no bad de'n deise Ghaidhealaich ; ach ma chuireas, mallaichte gu'n robh mo theaghlach 's mo chuid ; na faiceam gu brath tuilleadh mo bhean 's mo chlann, m' athair, mo mhathair, no mo chaird- ean ; tuiteam anns a' bhlar mar ghealtair agus grodadh mo chnamhan ann an tir choimhich, fad o uaigh mo shinnsearan 's mo luchd daimh ; thig- eadh so uile orm ma theid mi an cois m' fhacail."

Cuiridh na mionnan uamhasach ud gairisinn am feoil dhaoine cneasda, agus ged nach robh gaol againn fein riamh air feileadh mar dheise, bu mhaith leinn buille de bhata daraich a thoirt air caol-druim an trusdair a chuir na briathran oillteil an altaibh a cheile.

Faodar fhaicinn ann an litreachas nan Gaidh- eal gu'n do dhuisg an lamhachas laidir so droch spiorad annta, oir thug fear no dha de na baird greis air caineadh na briogais lachduinn. Tha am meas toirmisgte daonnan ion-mhiannaichte, agus is d6cha nach biodh gaol nam bard cho mor air an fheileadh mur biodh an grain cho mor air Diuc Chumberland. Anns an oran JIi7i do dubh thuirt Mac Mhaighstir Alasdair:

B' fhearr learn: breacan uallach,

Mu m* ghuaillean 's a chuir of m' achlais,

Na ged gheibhinn cbta,

De'n chlo a's fearr a thig a Sasunn.

Bu mhaith anns an oidhch thu, Mo loinn thu mar aodach leapa ; B' fhearr leam no 'm brat lin thu A's priseile thig a Glascho.

'S baganta grinn boidheach,

Air banais 's air mbd am breacan ;

Suas am feileadh-sguaibe,

'S dealg-guailne a' cur air fasdaidh.

Bu mhaith a la 's a dh'oidhch thu, Bha loinn ort am beinn 's an cladach, Bu mhaith am blar 's an sith thu ; Cha righ am fear a chuir as duit.

Bha fios aig Mac Mhaighstir Alasdair ciod a bha 's an amharc aca-san a thug a mach an t- achd miomhail ud, ach tha e 'g innseadh dhaibh gu 'm faigh Righ Deorsa bristeadh duil, ma bha fiuthair aige gu'm bristeadh a' bhriogais spiorad a' Ghaidheil.

Shaoil e gu'n do mhaolaich so,

Faobhar nan Gaidheal tapaidh,

Ach 's ann a chuir e geur orra,

Ni 's beurra no deud na h-ealltainn.

Dh' fhag e iad Ian ml-ruin,

Cho ciocarach ri coin acrach ;

Cha chaisg deoch an iotadh,

Ged b' fhion i, ach fior fhuil Shasuinn.

Ged spion sibh an cridh asainn, 'S ar broillichean sios a shracadh, Cha toir sibh asainn Tearlach, Gu brath gus an teid ar tacadh.

Cha 'n e Oran na Briogaise aon de na h-orain a's fearr a rinn Donnacha Ban, ach faodar rann no dha dheth a chur sios, oir tha e nochdadh nach robh gaol an t-samhraidh aig a' bhard do'n eideadh iir.

Bha uair eigin de 'n t-saoghal

Nach saoilinn gu'n cuirinn orm,

Briogais air son aodaich,

'S neo-aoidheil air duine i ;

'S ged tha mi deanamh uis dhi,

Cha d' rinn mi bonn sulais,

Ris an deise nach robh daimheil,

Do'n phairti d' am buininn-sa ;

'S neo-sheannsar a' chulaidh i,

Gur grannda leinn umainn e;

Cho teann air a cumadh dhuinn,

'S nach b' fheairrde leinn tuilleadh i ;

Bidh putanan 'na gluinean,

Is bucalan 'g an dunadh,

'S a' bhriogais air a dubladh,

Mu chulthaobh a h-uile fir.

'Se Deorsa rinn an eucoir,

'S ro dhiumbach tha mi fein dheth,

O'n thug e dhinn ar-n eideadh,

'S gach eudach a bhuineadh dhuinn.

16

Bha teanga gheur aig Rob Donn agus thug an t-achd ud cothrom dha fochaid bheag lagh- ach a dheanamh air cuid d'a choimhearsnaich a bha mach an aghaidh a' Phrionnsa. Cha robh taobh sam bith aig Rob fein ri righ Deorsa, ged a bha muinntir a dhuthcha air a thaobh. Cha 'n 'eil teagamh nach biodh connsachadh eadar iad fhein 's am bard mu chuisean na rioghachd, ach an uair a bha na fineachan Gaidhealach air an sgapadh aig Ciul-fhodair, bha an argumaid an aghaidh Rob. Ach ma bha, cha b' fhada gus an d' fhuair e cothrom feala-dha a dheanamh orra ann an Oran naji casagan dubka, mar a bu mhaith a b' aithne dha a dheanamh. Anns an oran sin, cha 'n 'eil Rob Donn a' leigeil air gu'n robh e toihchte mar a dh' eirich dhaibhsan a sheas air taobh an righ. Ach faodar a thuigsinn nach do mhi-chord an rud ris uile gu leir, 's nach bu mhisd leis aobhar fhaotainn air Ian an duirn de mhin pheasrach a chur ann an craos feadh- nach a bha glaodhach ro ard air taobh Dheorsa. Anns an oran so, cba 'n 'eil e fein a' glaodhach cho ard agus is bitheanta leis na baird a dhean- amh, an uair a theannas iad li aoir ; ach tha na briathran ciuin a tha e cleachdadh, 's an guth iosal anns a bheil e a' labbairt a' deanamh an orain seachd uairean na's sgaitiche 's na's cuims- iche na bhiodh e air dhoigh eile. Tha e leigeil air gu bheil e anabarrach duilich air son na feadhnach a bha dileas do'n chrun, ach d'am b' fheudar a' bhriogais a chur suas cho mhaith ris na reubalaich. Shaoil iad gu'm faigheadh iad baigh o'n righ agus saorsa d' an duthaich, ach mo thruaighe ! rinn Deorsa spors air a dhilsean, 's an aite saorsa, thug e dhaibh casagan dubha.

Ged a bha sibh cho rioghail, Chaidh 'ur cisean am mothad ; 'S maith an airidh gu'm faicte. Dream cho tais ribh a' cumhadh, Bhi tilgeil dhibh 'ur cuid bhreacan 'S a' gabhail chasagan dubha.

Am measg nam bard eile a ghleus an cruit chiuil chum am feileadh beag a mholadh, 's a' bhriogais a dhi-moladh, tha Mac a Phearsoin, Fear Srath Mhaisidh, Coinneach Mac Coinnich, agus Uilleam Ros. Cha ruigear a leas tarruing a thoirt air rannan Mhic a Phearsoin, ach faodar innseadh ciod a thuirt Uilleam Ros an uair a fhuair Marcus nan Greumach an t-achd tamailt- eachd ud a chur as an rathad.

Is latha sealbbach, rathail, dealrach,

Alail, ainmeil, agh-mhor,

A dh' fhuasgail air na h-Albannaich,

Bho mhachraichean gu garbhlaichean

Bho uisge Thuaid gu Arcamh chuain,

Bho dheas gu tuath gu leir;

Is binne 'n srann feadh shrath is ghleann

Na organ gun mheang gleus.

Thainig fasan anns an achd

A dh' orduich paillt am feileadh,

Tha eiridh air na breacanan,

Le farum treun neo4apanach ;

Bidh bighean thapaidh sniomh 's a' dath

Gu h eibhinn, ait, le h-uaill,

Gach aon dhiu 'g eideadh a gaoil fein.

Mar 's reidh leo anns gach uair.

Sheinn Donnacha Ban cuideachd cliu a' Mhar- cuis a sheas taobh nan Gaidheal, agus a thagair ceartas dhaibh anns a' Pharlamaid, gus antugadh dhaibh cead an seann eideadh a chur suas a ris. Tha e 'g radh^

Deich bliadhna fichead is cbrr,

Bha casag de'n chl6 m' ar druim,

Fhuair sinn ad agus cleoc,

Ach cha bhuineadh an seors ud dhuinn,

Bucail a' dunadh ar brbg,

'S e 'm barr-iall bu bhoidhcbe leinn ;

Rinn an droch fhasan a bh' oirnn

Na bodaich d' ar n-oigridh ghrinn.

Fhuair sinn cothrom an diasd A thoilicheas gradh gach duthch', Comas ar culaidh chur oirnn. Gun fharraid do phor nan lub, Tha sinn a nis mar is coir. Is taitnidh an seol r' ar suil, Chuir sinn a' bhriogais air lar, 'S cha tig i gu brath a cuil.

Bha e ro anmoch. Lean na Gaidheal ris a' bhriogais a dh' aindeoin di-moladh nam bard,, agus na'n deanadh ablach baird an diugh aoir do 'n fheileadb, cha rachainn an urras nach faigheadh e duals aig a' Mhbd.

AN T-OL.

An uiridh, dh' bl an rioghachd so fiach _;£i6i 062,482 de dheoch laidir. Bheireadh sin mu thuaiream tri puinnd 's a dha dheug do gach duine anns an duthaich, ach an uair a chuirear as an rathad na feadhainn nach blais idir, agus mnathan is clann nach ruigear a leas a chunntas, faodar a radh gu bheil fir na duthcha so ag bl deich puinnd Shasunnach 's a' bhliadhna. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil na stuthannan riomhach a bhios na h-uaislean ag 61 a' cur suas na cunntais, ach tha e air a radh leosan a sheall gu curamach air a' ghnothuch gu bheil luchd obair na rioghachd ag 61 fiach criiin, am fear, a h-uile seachduinn d' am beatha. Mu choinneamh a h-uile sgilinn a thatar a' cosg air sgolean, thatar a' cur tasdain anns an 61.

-3 1

11

f

Air. S.

1910.

CRIOSD IS BAN-GHREUGACH.

Cha 'n 'eil e ioinchiiidh aran na cloinne a ghahhail agus a thilgeadh chum nan con. Marc vii, 27.

AiG an am anns an do thachair an ni air a bheil iomradh againn anns na briathran so, bba a luchd duthcha air togail an aghaidh Chriosd. An uair a chunnaic iad nach gabhadh e an comhairle, 's nach cuireadh e air cbois rioghachd Dhe anns an doigh anns am bu mhaith leosan, thionndaidii iad air cho guineach 's gu'n robh a bheatha an cunnart. Chuir e roimhe, uime sin, Galile fhagail agus dol do chearn air chor-eigin far nach biodh fios co e, agus far am faigheadh e cothroni air fois fhaotainn car greis. Chunn- aic e niich robh feum sam bith dha a bhi bruidiiinn riu aig an am, agus gu'm b' fhearr dha lamh a thoirt air an da fhear dheug a theagasg, gus am fuaraicheadh a hichd duthcha 's an tigeadh iad thucadh fein a ris.

B'e an t-aite air an do chuir e fein 'sa dheis- ciobuil an aghaidh, baile beag an taobh a mach de chriochan GhaUie anns an aird an iar thuath, far nach do rainig eolas Dhe an sluagh 's far an robh iad ag aoradli do iodhalan. Ach cha luaithe chuir iad cas anns a' bhaile no chaidh fuaim an teachd air feadh an t-sluaigh, agus thainig bean a dh' ionnsuidh Chriosd a' guidhe air a nighean anns an robh spiorad neo-ghlan a shlanachadh. Faodar a thuigsinn, o'n doigh anns a bheil an soisgeulaiche Marc ag innseadh na naigheachd so, gu'n do chuir a fhreagairt a thug Criosd do'n mhnaoi iongantas nach bu bheag air. Tha e cur iongantais air daoine gus an latha diugh, oir tha na briathran a labhair Criosd €u-coltach ri sheanchas am bitheaiitas.

Bha e nadurra gu leor gu'n tigeadh a' bhan- Ghreugach a dh' ionnsuidh an t-Slanuigheir. Cha ruigear a leas a shaoilsinn gu'n robh eolas spioradail aice nach robh aig a coimhearsnaich no gu 'n robh creidimh aice ann an Criosd anns an t-seadh anns a bheil am facal air a chleachdadh am measg chreidmheach an diugh. Cha 'n 'eil teagamh nach cual i iomradh air na miorbhuilean a bha e deanamh ann an Galile 's nach d' thug luchd turuis thuice sgeul- achdan fior is breugach mu na daoine a leighis e. Bha iomaguin oirre mu thimchioll a nighinn agus direach mar a dh' fneuchas sinn uile gach leigheas is lighiche air an cluinn sinn deagh

iomradh m'an toir sinn suas ar dochas, chuir i roimhpe Criosd fhiicinn feuch am b'urrainn e cobhair a dheanamh oirre. Bha an teachdair- eachd air an do rainig a' bhean e caomhal, ach an urrainn sinn a radh gu'n robh an ftireagairt a thug esan dhith caomhal? An toiseach cha do fhreagair e idir, ach an uair a ghuidh 's a ghuidh i air trocair a nochdadh do mhathair 'n a h-eigin, thuirt e rithe gur h ann gu caora chaillte Israeli a thainig esan. Cha do chuir eadhoin na briath- ran sin air falbh i ; lean i e fein 's a dheisciobuil a steach do'n tigh agus ghuidh i air le deoir a nighean a shlanachadh. An sin thionndaidh e agus thuirt e rithe nach robh e iomchuidh aran na cloinne a ghabhail agus a thoirt do na coin. An aite fearg a ghabhail no a misneach a chall, rug i air an fhacal shearbh mar gu'm bu ghreim mills e. Is fior su^ a Thighearna, gidheadh itliidh na coin fo ' n bhord de sbruileach na cloinne. Nach bu ghleusd a fhreagair i e, arsa Luther, ghlac i'Criosd ann an ribe a bhriaihran fein.

Nan do chuir Marc na briathran so am beul sgriobhaiche eruaidh - chridheach, theireamaid nach ruigteadh leas fiuthair a bhi ris a' chbrr, ach their sinn gu bheil iad anabarrach iongantach am beul neach a bha cho caomhal is truacanta ri Criosd. Cha do ghoirtich esan duine riamh, 's cha d' thug e droch fhreagairt air an neach a bu diblidhe a thainig 'ga ionnsuidh, oir cha b' ann a dhiteadh dhaoin a thninig e ach 'gan tearnadh. Ciod, ma ta, a bha e ciallachadh leis an fhacal ud?

Their cuid nach b' ann a dheanamh mhior- bhuilean a chaidh e do'n bhail ud ach a leigeil a sgios, agus nach robh e air son rud sam bith a dheanamh leis am faigheadh ati sluagh a mach CO e, agus am faigheadh a naimhdean a mach c' ait an robh e am folach. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil sin fior ; bha feum aig air fois agus samchair aig an am, agus cha bu mhaith leis gu'm biodh ainm 's a dhreuchd am beul an t-sluaigh. Ach aig a' cheart am, cha ghabh sin lethsgeul nam briathran, ma labhair e iad. Dh' fhaodadh e am boiriounach a dhiultadh gun a goirteachadh.

Their cuid eile gu'n do labhair e air an doigh ud a chionn nach ann ris na cinnich ach ris na h-Iudhaich a bha ghnothuch. Chuireadh mise gu caora chaillte Israeli. B'e toil Dhe eolas na firinn a thoirt do shluagh Israeli an toiseach a chionn gu'n robh iad deas

air son an eolais sin mar nach robh each, agus an deigh laimhe abstoil a thogail suas a measg nan ludhach a chraobh-sgaoileadh an soisgeul gu duthchannan eile. B'e sin toil Dhe, agus am feadh 's a bha Criosd air thalamh bha e umhal do thoil Athar agus rinn e an obair a thug Athair dha ri dheanarah anns an doigh anns an d' orduich Athair dha. Chuir e seachad laithean a bheatha am measg nan ludhach, ged a rinn e trocair uair no dha air feadhainn nach buineadh do chomhcheangal a' gheallaidh. Tha e furasd a thuigsinn carson nach bu mhaith leis miorbh- uilean is comharraidhean a dheanamh am measg sluaigh a bha 'n taobh a mach do chriochan nan ludhach, agus ged a dhiultadh e eisdeachd ri urnuigli na mnatha, cha b'urrainn sinn a radh gu'n do nochd e cruas cridhe no neo chaomhal- achd. Is a an rud a tha iongantach gu'n labh- radh e cho suarach's cho fuar ri mathair bhochd aig an robh cridhe goirt. An do rinn e sin da-rireadh ? Tha sinn an duil nach do rinn agus nach robh a chainni idir cho neo chaomhal 's a shaoilear.

Tha moran sgoilearan am beachd nach robh anns an fhacal a thubhairt e ach sean-fhacal a bha cumanta 's an duthaich, agus nach robh Criosd a' ciallachadh a' bhean no a luchd duth- cha a choimeas ri coin, ged a thuit dha an sean- fhacal a cleachdadh. Chuir am beachd maith a bh' aig a' mhnaoi air feir, ged bu choigreach e, ioghnadh air, agus los dearbhadh beag a chur oirre, thuirt e rithe an sean-fhacal ud gu reidh caoimhneil, mar gu'n abradh e Cha 'n aithne dhuit mise 's cha 'n aithne dhomh thu ; innis dhomh carson a bheirinn do choigreach na tiodhlacan a bhuineas do mo dhaoine fain. B' aithne do 'n bhoirionnach an sean-fhacal gu maith agus fhreagair i e le fear eile, mar gu'n abradh i Tha a leithid sin de dh' fhacal ann gun teagamh, ach tha sean-fhacal eile fann a tha g' radh gu'm faod eadhoin na coin an sbruileach itheadh. Feu mar na saan fhacail daonnan a thuigsinn a reir an spioraid anns a bheil iad air an cleachdadh, agus an doigh anns a bheil iad air an labhairt. Ma labhair Criosd an sean fhacal ud le fiamh gaire air aodann agus tha sinn an duil gur h-ann mar sin a bha thuigeadh a' bhan-Ghreugach gu maith nach robh e ciall- achadh a diultadh agus nach robh neo-chaomh- alachd sam bith 'na chridhe. Tha e duilich sean-fhacal a thionndadh o aon chainnt gu cainnt eile, agus is docha nach robh am facal idir cho maol anns a' chainnt anns an do labhair Criosd a 's a tha e ann an Gaidhlig. Is e tha so uile a' ciallachadh, nach ruigaar a leas a bhi cur as leth Chriosd gu'n do bhruidhinn a gu suarach ri boirionnach a bha 'na h eigin, no gu 'n do ghoirtich e i, an uair a bha feum aice air caomh- alachd is comhfhurtachd. Cha b' ann a dhean- amh magaidh air a bhraithrean a thainig e ach 'g an leigheas.

I. Tha beannachdan spioradail a' laantuinn freasdal searbh. Tha na neoil is duirche Ian de thocair chaoimh an Tighearna, agus air cul freasdailean a chuireas eagal is crith air a shluagh tha riiintean caoimhneil an Athar. Tha searbh- adas is milseachd gu trie anns an aon ghucaig. Tha an Tighearna ceart 'na uile shlighean agus naomh 'na uile ghniomharan. Cha 'n ann gun aobhar no air ghaol an saruchadh a smachd- aicheas e a chlann. Tha e grasmhor agus truacanta, agus tha a chaomh throcairean os cionn nan uile dhaoine. Leighsidh e iadsan aig am bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leonta. B'e an trioblaid a bha 'na dachaidh a thug am boirionnach so gu Criosd. Cha'n fhac i riamh aghaidh an t-Slanuigheir, mur tigeadh tinneas is trioblaid a dh' ionnsuidh a tighe ; ach o'n doimhneachd ghlaodh i ris, agus fhuair i a mach gu'm b' esan da-rireadh an Tighearna troc- aireach is caomhal. Is searmonaiche druigh- teach am bron, agus glacaidh a aire dhaoine nach toir geill do sheorsa eile. Tha miltean de spioradan frithealaidh aig Dia agus is e bron aon dhiu. Tha e 'na mheadhon air daoine thoirt a mach as na callaidean neo-chinnteach a thogas iad dhaibh fein, agus an toirt gu fasgadh a ghabh- ail fo sgaile an Uile-Chumhachdaich. An uair a mheudaicheas trioblaid irioslachd, agus a thairngeas i buill teaghlaich ni's dluithe ri cheile na bha iad roimha, tha i dhaibh 'na h-aingeal beatha an aite bhi 'na cuis eagail.

II. Is c6ir urnuigh a dheanamh a ghnath agus gun fhannachadh. Le bhriathran agus gu sonruichte le eiseimpleir theagaisg Criosd sin do na deisciobuil. Los an rud a dheargadh air clar an cridhe air chor 's nach dichuimhnichaadh iad a, labhair e da chosmhalachd a tha la cheile a' teagasg nach fgithich Dia dhiubhsan a thig thuige gu trie ann an urnuigh. Cha d' fhuair a' cheud urnuigh a rinn a' bhean so eisdeachd, agus nan do stad i, chailleadh i an tiodhlac mor a fhuair i air a' cheann mu dhaireadh. Cha ruigeadh a h-uireasbhuidh leatba bhi 'na tosd, agus ghuidh is ghuidh i gus an d' fhuair i furt- achd. Ma tha dian-iarrtus draghail le daoine, cha 'n 'eil e draghail le Dia. Cha saruich a shluagh esan le bhi eigheach ris a la agus a dh' oidhche. Is toigh leis iadsan nach fannaich ann an urnuigh, agus is ann dhaibh a dh' fhosglas e a lamh gu fialaidh. Cha ghabh creidmih cumail beo gun urnuigh, oir is a ar n-urnnighean a tha 'gar ceangal ri beatha is cumhachd Dhe. Tha urnuigh do spiorad an duine mar tha an t-adhar d'a chorp. Is e Dia grian an anma agus ann an urnuigh tha 'n t-anam air a chur an teis-maadh- oin solus is blalhs na greine. Faodaidh failinnean gu leor a bhi ceangailta ri creidmhich agus bidh failinnean annta gus an tilg iad an deo ach cho fad 's a leanas iad air urnuigh, cha ruig iad a leas eagal a bhi orra gu'n do bhasaich

19

spiorad na diadhaidheachd annta. Theid obair nan gras airaghaidh annta a dh'aindeoin iomadh failinii. Ach an uair a tlioisicheas daoine air dearmad a dheanamh air urnuigh, 's a leigeas iad laithean is seachduinnean seachad gun an glun a lubadli an lathair Dhe, tha iad marbh gu spioradail ged a dli' fhaodas ainm a bhi aca gu bheil iad beo. Tlia spiorad na h-urnuigli agus spiorad na diadhaidheachd air am faotainn comhla daonnan.

CUAIRT A' MHINISTEIR GHALLDA

\Bha an sgeul so air a sgriobhadh kh an OUaiiih Tormoid Mac Leoid nach maireann.\

Air feasgar latha Sabaid, deireadh an t-samh- raidh a chaidh seachad, thainig duine araidh a dh' ioiinsuidh mo thighe a dh' iarr facal a iabhairt rium ann am sheomar fain, a chionn gu'n robh ni-eigin aige ri radh nacli bu mhaith leis neach eile 'g a chluinntinn. Thug mi steach e agus dh' fheoraich mi dhelh ciod a bha aige ri chantainn.

Is duilich lean), ars' esan, dragh a chur oirbh air an fheasgar so, an deigh saothair an latha, ach is e an eigin a chuir mi d' ur n-ionnsuidh, agus uime sin tha dochas agam gu'n toir sibh maitheanas dhomh. Tlia mo choimhearsnach truagh, Seumas, do reir coslais air leabaidh a bhais, agus cha'n fhoghnadh leis gun fios a chur oirbh, ged is iomadh la a rinn e tair oirbh agus a dhiult e 'ur n-eisdeachd.

Rinn thusa, deir mi, mar bu choir dhuit, tighinn, agus da-rireadh is e an eigin a chumadh raise air m' ais o dhol 'g a fhaicinn. Cha dean mi moille sam bith : gabh thus' air d' ais agus innis dha gu bheil mi air mo cheum 'ad dheigh. Dearmadach mar tha Seumas truagh, agus seachantach air orduighean an t-soisgeil, co is urrainn a radh ciod a tha'm beachd anTighearna ni'a thimchioll. Is maith an comharradh e bhi iarradach air m' fhaicinn ; gu'n deonaicheadh Dia dhuinn aobhar dochais as a leth.

Bu duine Seumas aig an robh moraii de thuigse agus de chiall nadurra, duine tapaidh an gnothuichibh duihcha, ach bha e a' chuid bu mho d'a laithean toigheach air deoch agus air ruidh- teireachd ; chinn e dearmadach air uile mheadh- onan nan gras ; sheachain e tigh-aoraidh Dhe, agus tharruing e an companas ri daoine gbrach, ain-diadhaidh mar e fein. 'Se deoch is amaid- eachd a thug galair a' bhais 'na charamh, agus an uair a chaidh mise stigh do'n t-seomar 's an robh e 'na luidhe, bu deistinneach r'a fhaicinn an coslas truagh a bha air bha eagal, amharus, brbn, tliobhail misnich agus uamhas mor air an deargadh gu domhain 'n a shuil agus 'n a aogas

gu leir. Bha e caithte gu neo-ni, agus cha 'n fhaca mi, ar ieam, riamh aon duine bu mho a b' aobhar truais na e, ged a bha e soilleir gu'm b'ann air 'inniinn 's nach b' ann air a cholluinn a bha chuid a bu mh6 d'a thrioblaid. Shocruich e shuil orm cho luath 's a chaidh mi stigh agus dh' fheuch e r'a laimh a shineadh a mach.

Shuidh mi ri taobh na leapadh is thuirt mi ris: Is duilich Ieam d' fhaicinn 's a' chor so ; cha chuala mi gu'n robh ni air bith a' cur ort gus an do rainig do charaid mi air an fheasgar so, ach tha dochas agam gu 'n sin Dia do laithean fhathast gu aobhar a bhi agad a mhaitheas aideachadh le taingealachd.

Ghluais e a cheann, dhruid e a shuilean, agus tharruing e osna throm, mar gu'm biodh e as> eugmhais dochais

Ciod, a deir mise, a tha 'n leigh a tha frith- ealadh ort ag radh ? Ciod i a bharail ort ?

Cha 'n 'eil dochas sam bith aige, ars' esan, r'a thoirt dhomh : tha e 'g radh nach 'eil e 'na chomas a' bheag no mhor a dheanamh air mo shon.

An ann mar sin a tha, deir mise, le cainnt stolda, ach an ni a tha eu-comasach do dhuine tha e soirbh do Dhia. Is mi a dh' fhaodadh a radh, oir is minic a chunnaic mi iadsan a thug leigh saoghalta thairis a tighinn uaith, ach ciod do bharail fein ? Dh' amhairc e 'am aodann le sealladh a chuir oillt air mo chridhe. Is duine marbh mi, ars' esan, agus 's i chuis a's miosa, is duine caillte mi. Air d' athais, a deir mise, nar leigeadh Dia, na labhair air an doigh sin.

Thaislich so e ; labhair mi ris gu foil leis a' chainnt a bu chaomaile agus a bu chairdeile a b* urrainn don)h a chleachdadh, a' cur an ceill an doilgheadais mhoir a bha orm rach robh fios agam na bu traithe mar bha e, agus a' gearan nach do leig iad fios domh.

Mata, ars' esan, b'esin mo mhiann-sa ach bha nair' orm ; chuir mi dail an-", an sin a dheanamh mar chuir mi dail anns ga^n ni eile, agus chuirinn dail ann a chaoidh mur biodh am has air teachd 'am rathad ach thainig esan agus thainig soill- eireachadh an uamhais 'na chois. Dh' fhairtlich orm a bhi samhach na b' fhaide, ach b'fhearr Ieam gu'n do chuir mi fios oirbh na bu traithe thaenis tuilleadh isanmoch, chaill mi mo lalha, chaill mi mo chothrom. O, is duine caillte mi, tha fios agam gur h-ann mar so a tha.

Tha dochas agam, a deir mise, gur ann a thainig atharrachadh mor air d' inntinn. Dhuisg Dia thu chum do chunnart fhaicinn agus esan a thoisich air an deigh obair, nach faod e, ann an saoibhreas a throcair, a toirtaira h-aghaidh ceum air cheum chum foirfeachd.

Cha toir, cha toir, a deir e. Dochas cha'n'eil agam, pheacaich mi thar saorsa agus cha'n'eil cionta nach do rinn mi. Dochas agamsa ! ars' esan, le buaireas uamhasach spioraid, agus le

20

osnadh a shaoil leam a sgaineadh a chridhe. Dh' amhairc e orm 's an aodann, agus mar a bha mi dol a labhairt, thainig boirionnach a bha stigh dluth air an leabaidh, le soiie beag as an do thairg i deoch dha.

Carson, ars' ise, a tha thu labhairt mar sin. Cha 'n 'eil thu cho dona 's a tha thu a' leigeadh ort ; tha na railtean mu 'n cuairt duit na 's miosa. Is ann duit fein a bha do lochd carson a labhradh tu 's an doigh sin.

Smeid e gu grad le 'laimh i blii samhach. Nach cuist thu, ars' esan, is m6 a's fada b'e sin mo bharail fein ach O ! 's ann air m' anam bochd-sa thainig an t-soilleireachd eagalach.

Is g5rach a bhean, a deir raise, do chainnt ; cha ghniomh cairdeil a tha thu deanamh, labh- airt mar so ris ; do reir coslais tha beachd a's fearr aige air cor anma an lathair Dhe na tha agad-sa. Ciod e dha-san ged bhiodh na miltean na bu mhiosa na esan, an seasadh sin a lethsgeul- san? Bheirear breith air-san air son a dheanadais fein agus ni h-ann air son deanadais muinntir eile. Tha thu 'g radh nach 'eil Seumas idir cho peacach 's a tha e am barail. Gu truagh tha sinn uile na 's peacaiche ann am fianuis an De uile- naoimh no ga'm faodadh e amharc oirnn ach le dubh-ghrain. Bho cheaitas Dhe tha sinn uile 'toiltinn sgrios siorruidh, agus gun teagamh b'e so a thigeadh air-san mur biodh an Tighearn losa air eiric cho luachmhor a thoirt air ar son, le basachadh chum ceartas Dhe a riarachadh agus reite a chosnadh.

An uair a chual an duine tinn iomradh air ainm an t Slanuigheir, ghlaodh e mach le le di- dochais agus le guth buaireasach Cha 'n 'eil an Slanuighear dhomh-sa !

Cha 'n 'eil e comasach innseadh an doigh air an do labhair e na briathran sin. Bha neul tiugh agus dorcha ead;ir e agus trocair Dhe ann an Criosd, cha buleir dha Dia ach ann an corruich. Cha robh deur air a shuil, cha d' thainig tais- eachadh no maothachadh air a chridhe. Bha e mar dhuine a bha Ian dearbhta 'na inntinn fein nach robh dochas aige. Chuir so oillt orm agus is gann a bha fios agam ciod a bu choir dhomh a radh.

Ma tha thu creidsinn, arsa raise, ann an losa Criosd, is eigin duit a chreidsinn gu bheil e comasach chum tearnadh. Tha mi 'ga chreidsinn sin, ars' esan. Agus an e nach 'eil e comasach, deir mise, air thusa thearnadh cho mhaith ri duine eile ? Bu dimeas air a ghras 's air a ghloir a smaointeachadh gu bheil a chumhachd-san neo-chomasach air a' pheacach a's mb air aghaidh an t saoghail a thearnadh. Bha e 'n a thosd car tamuill ach mu dheireadh fhreagair e gu cabh- agach, Tha e cumhachdach ach cha 'n 'eil e toileach. Tha, deir mise, tha e Ian thoileach is tha e comasach. Ach leughaidh mi dhuit an coigeamh caibideal deug a reir Lucais, chum

gu 'm faic thu an solas a tha air neamh ri iompachadh aon pheacach. A nail dhomh, a bhean, am BiobuU, chum gu'n cluinneadh e cho toileach 's a tha Dia gu gabhail ris.

Chunnaic mi gu'n do chuir so iomaguin oirre ach thoisich i raar gu'm biodh i 'ga iarraidh.

Thog an duine truagh a bha 's an leabaidh a cheann agus thuirt e Dean suidhe, a bhean, cha 'n am so gu ceilg no breug ; cha 'n 'eil Biobull againn 's an tigh, agus ged a bhitheadh, cha deanadh gach rann dheth ach mo dhiteadh. Chuir mise ciil ris a' Bhiobull ann an la mo shlainte agus chuir Dia a nis ctil rium-sa air leabaidh mo bhais.

Thug mi lamh air mo Bhiobull fein agus leugh mi dha a chaibideal a dh'ainmich mi. Tharruing mi a smaointean gu caoirahneas a' Bhuachaille a chaidh air toir na caorach a chailleadh, 's a ghiulain dachaidh i le gairdeachas. Druigheadh so, arsa raise, air do chridhe-sa, agus bi Ian chinnteach gu bheil Dia a' feitheamh gu bhi grasmhor, agus gu 'n toir e fainear a' cheud togradh a dhuisgeas ann ad chridhe gu maith- eanas fhaotainn.

Bha Seumas bochd 'n a thosd ach bha e soilleir nach robh sith fhathast 'n a inntinn. Cha do chuir e suas aon ghuidhe ri neamh no aon ghuth air son maitheanais, gidheadh labhair mi ris fhathast le dochas. Tha thu faicinn, arsa mise, gu bheil Dia cho deonach 's a tha e comasach air gach neach a thig thuige a shaor- adh, g'e b'e air bith co e. Ciod, ma ta, a chumas tusa a mach. An iad do pheacaidhean ? Ged robh iad dearg mar an sgarlaid, nithear geal mar an sneachd iad. Glanaidh fuil Chriosd o gach peacadh.

Cha do labhair e facal. Nan d' iarr e orm urnuigh a chur suas, bhiodh solas orm. Ach cha robh sin, do reir coslais, 'n a bheachd. Bu inhithich dhomh-sa, uime sin, mo dhleasdanas fein a dheanamh agus so a chur 'n a chuimhne. Thuirt mi ris leis gach baigh is caoimhneas a b' urrainn dhomh a chleachdadh, A Sheumais, aontaich leam ann an urnuigh. Leig dhomh trocair an Tighearna asluchadh as do leth.

An deigh dhomh criochnachadh mhothaich mi gu'n robh na deoir air a shuilean ach cha do labhair e facal. Slan leat an nochd, arsa mise, Dia bhi maille riut

Air an la maireach chaidh mi 'g amharc agus bha seanachas eile agam ris. Am bheil e comas- ach, ars' esan, gu'n gabhadh Dia ri m' leithid. Cha 'n urrainn domh a smaointeachadh, gidh- eadh, O mo Dhia. Thainig reachd 'na mhuineal, thuit e thairis, agus ann an uine ghoirid thug e suas an deo.

B'e so toil an Tighearna. Co dhiu a bha no nach robh e, an am a bhais, ann an reite ri Dia, cha bhuin e dhuinn a radh. Aon ni a tha cinnteacli, cha d' fhuair e bas ann an sith.

4

-1

.«£

Air 6.

1910.

AIR A' BHEINN.

An uair a bha e ri urnuigh, bha dreach a ghnuise air atharrachadh, agus rinn- eadh 'eudach geal agus dealrach. Lucas ix. 29.

Ged labhradh na deiseiobuil le teaugaibh nan aingeal, cha b' urrainii dliaibh innseadh g'u ceart do dhaoiu eile mu'n t-sealladh ghlormhor a ehunnaic iad air beinn Her- mon. Tliogadh suas iad gu Parras, agus cliunnaic iad le'u suilean corp feola Chriosd a' dealrachadh le solus nach facas riamh air muir no tir, agus cliual iad le 'n cluasan comhradh mu nithean diomhair eadar an Slanuighear is spioradan dhaoine naomli a bha clieana air an deanamh foirfe. Ged nach do Ian tliuig iad aig an am ciod a bha .an taisbeauadh ud a' eiallachadh, dh' fhair- ich iad gu'n d' fhuair iad aon phlathadh de ghloir nan neamh, agus roimh-bhlas de dh' aoibhneas an Tigliearna. Cha do leig iad as an cuimhne gu brath ro-mheud nan taisbean a fhuair iad air beinn Hermon, agus an viair a bha Peadar 'na sheann duine b' abhaist dha a bhi labhairt le iogh- nadh mor air a' ghloir a cliunnaic e air a' bheinn.

Tha na tri soisgeulaichean Mata, Marc, is Lucas a' toirt cunntais air an t-sealladli a ehunnaic na deiseiobuil, agus tha gacli aon dhiubh ag innseadh na naigheachd 'na dhoigh fein. Is e Mata an aon fhear a tha 'g radh gu'n do thuit iad air an aghaidli air an talamh an uair a cliual iad guth .as na neamhan, agus gu'n do bhean losa riu ag radh, Eiribli agus na biodli eagal oirbh. Tha Marc ag radh gu'n do rinneadli eudach an t-Slanuigheir dealrach, ro gheal mar an sneachd, air nihodh nach robh e'n comas do ghlanadair-eudaich air talamh a ghealachadh. Is e Lucas a dh' inuis gur li-ann chum urnuigh a dheauamh a cliaidh losa do'n bheinn, agus gur li-ann an uair a bha.e ri urnuigh, a bha dreach a ghnuise air atharrachadh, agus a riuneadh 'eudach geal agus dealrach. Is e Lucas cuideachd a tha 'g innseadh gur h-ann mu bhas Chriosd a labhair Maois is Eliali, agus gu'n robh na deiseiobuil 'nan cadal, co-dhiu pairt de'n uine.

Ciod a bha an sealladh ud a eiallachadh i* Cha'n'eil e furasd a radii. Clia'n aithne dhuinn acli ann an cuid, agus a thaobh inntinn is eridli an t-Slauuigheir aig aon de na h-amannan a bu slioluimte 'na bheatha, feuniaidh eadhoin daoine glic is naonih aideachadh nach 'eil an eolas ach beag. Ach faodaidh sinn smuaineacliadh air, le irioslachd is urram, an dochas gu'ni fairieh sinn, eadhoin ann an tomhas beag, oirdlieireeas nan nithean air a bheil na soisgeulaichean a' deanamh iomraidh. Cha do Ian thuig na deiseiobuil fein brigli an fhiosrachaidh ud, ach ged nach do thuig, thuirt iad gu'm bu mhaith dhaibh gu'n robh iad air a' bheinn agus cha'n iarradh iad an t-aite fhagail. Tha e maith do dhaoine an smuaintean a shooruehadh air nithean ard is domhain, ged nach tomhais iad an airde no an doimhneachd.

Tha cuid am beachd nach robh anus an t-sealladh ud acli comharra follaiseach a thug Dia do na deiseiobuil ehum an aire a ghairm gu moraehd losa. Is e sin ri radh, tha iad am beachd gur h-ann air sgath nan deisciobul a thaehair an ni a tliaohair, chum creidimli a dhusgadh annta anil an Diadhachd losa. Tha sin, ann an tomhas, fior, agus cha'n'eil teagamli nach do neartaich an sealladh a ehunnaic iad creidimh nan deisciobul ann an Diadhachd losa; ach aig a'cheart am, tha sinn an duil gur h-ann air sgath losa fein a thaiuig teachdairean is guth o neamh, agus nach anil air sgath nan deisciobul. Cha'n ann orra-san idir is coir dhuinn ar n-aiie a slioeruchadh, ach air an neach naomh a l)lia gleachd ri Dia ann an urnuigh, agus a fhuair, mar thoradh 'urnuigh, a leithid de fhaireachduinn air lathaireaehd an athar 's gu'n do dhealraieh 'aodann mar a'ghrian. Is e an eath spioradail a chaidh air aghaidh aim an anam losa fein agus an dearbhachd spioradail air an do raiuig e air Hermon, a rinn a' bheinn sin 'na h-ionad ro naomh, agus cha 'n e an sealladh a cliunnaic na deiseiobuil.

Aig toiseaeh a mhinistreileaclid chaidh e troimli fhiosrachadh searbh anus an fhas- acli, agus aig deireadh a bheatha chaidh e troiiuh fhiosrachadh searbh ami an Get- semane. Bha 'n saoghal agus an flieoil

22

ag iarraidh air, Calbhari a sheachnadli agus a rioghachd a chur air chois air dlioigh eile. Air uaireau thainig an smuain tliuige gu'm faodadh an saoghal a bhi ceart, agus naeh b'e toil Athar gu'n rachadh e troimli fhulangas a" bhais idir. B'e sin am buair- eadh sonruiclite a thainig thuige anns an f hasaoh an' uair a blia e ag ullachadh anma airson ua li-oibre a thug 'Athair dha ri dheauamh agus a' smuaineachadh air an doigh a b' fhearr anns an coimhlionadh e i. Bha guth an t-saoghail agus solus 'iunt- inn fein a' del ealg dhireach an aghaidh a cheile, ach rogliuaich e a sholus fein a leautainn, ged dh' fhuilingeadh e am bas. Is e an iom-chomhairle so anns an robli losa, car greis aig toiseach a mhiuistreil- eaclid, a tha na soisgeulaichean a" ciall- achadh leis a' bhuaireadh no an dearbhaclh troimh an deachaidh e anns an f'hasach. Bha an cath searbh cho fad 's a mhair e, ach air dha bhi ann an iom-chomhairle, rinn e urnuigli ri 'Athair agus fhuair e dearbhachd cho soilleir air toil Dhe 's gu'n do chuir e aghaidh air Calbhari o'n latha sin.

Beagan laithean m'an deachaidh losa suas gu Hermon, tha na soisgeulaichean ag innseadh dhuiun gu'n do labhair e ris na deisciobuil mu 'bhas. Chunnaic e gu'n robh an t-am a' tarruing dluth. Bha 'n sluagh a' tuiteam air falbh, 's bha naimh- deas nan sagairteau 's nan uachdaran a" fas na bu teotha. Bha dochas aig na deis- ciobuil naeh robh cuisean cho dorcha 's a bha esan an duil, agus gu'n tigeadh an sluagh thuca fein ann am beagan uine, 's gu'n gabhadh an duthaich uile ris mar am Messiah. Ach bu leir do losa comliarran na li-aimsir mar naeh bu leir dhaibhsan, agus chum an cridheachan ullachadh airson an dealachaidh a bha gu tachairt, dh' innis e dhaibh gu reidh, soilleir gu'm feumadh Mac an duiue moran nithean fhulano- ag;us a bhi air a cheusadh. Chuir a chaiunt iou- gantas is uamhas orra agus thuirt Peadar, "Gu ma fada sin bhuait-se, a Thighearna.'" Shaoileamaid naeh robh briathran Pheadair fad as an rathad, ach chronaicli losa e gu geur "Imich air mo ehul, a Shataiu." Carson a rinn e sin? Tha sinn an duil gu'n do riun, a chionn gu'n robh Peadar a" cur 'na charamh a' cheart bhuaireadh a thug cath cho searbh dha anns an fhasach corr is bliadhna roimhe so. Aig an am sin, b'e an saoghal agus Prionnsa an t-saoghail a chuir dearbhadh air, ach a nis bha a' cheart dearbhadh air a chur air le aon d'a chaird-

ean, agus chuir e bron air losa gu'm biodh e cho fada maille riu agus naeh b' aithne dhaibh e na b' fhearr no gu'n tugadh iad dha a leithid sud de chomhairle. Bha e soilleir dha fein naeh b' urrainn e Calbhari a sheaehnadh, gun dol an aghaidh ruin- tean Dhe, agus gur h-ann a mhaiu tre bhas is fhulangas a shaoradh e a bhraithrean.

Cliaidh e suas gu Hermon ehum anam 's a chridhe fein a neartaohadh. Thionndaidh e air falbh o dhaoine agu.s o chomhairle dhaoine, chum a thaic a leigeil ri Dia agus guidhe air 'Athar gu'n tugadh e dha a chomhfhurtachd 's a lathaireachd anns an dorchadas a bha air thoiseach air. Ged thug e leis triuir de na deisciobuil, faodaidh e bhith naeh ann airson a ghloir a nochdadh dhaibh a rinn e sin, ach air. ghaol cuid- eigin a bhi comhla ris an uair a bha anam fo bhron. Ach thaehair air a' bheinn mar thachair ann an garadh Ghetsemane; cha b' urrainn dhaibh faire a dheauamh maille ris, ag'us am feadh 's a bha esan ag ur- nuigh, chaidil iadsan. Air beinn Hermon, ann an urnuigli is ann an co-ehomunn ri 'Athair, fhuair losa roimh-bhlas de'n aoibli- neas a chuireadh roimhe, agus ehiudich sin leis dol air aghaidh le misuieh agus an crann-ceusaidh fhulang. M'an do ghairm Dia air a mhac dol sios do 'n ghleann dhoreha anns an do ghlaodh e an eigin anma, "Mo Dhia' mo Dhia, earsou a threig thu mi," thug e dha co-chomunn cho dluth 's cho solasaeh ris fhein 's naeh measadh e gu'm b' airidh plan na feola a bhi air a ehoimeas ris an aoibhneas spioraid sin. Bhruchd gradh is maitheas Dhe a steach air a chridhe mar thuil. Cha 'u 'eil ach fior bheagan dhaoine naeh cuir teagamh ann an gradh Dhe uair no uair-eigin, gu sonruiclite, ma tha a lanih air a leagadh orra gu trom. Tha an diadhair a sgriobh an litir chum nan Eabhruidheach ag radii gu'n robh Criosd air a bhuaireadh 's na h-uile nithean air an doigh eheudna rmnne, agus naeh faodar a radl^ le h-urram, gu'n d'fhuair Prionns an t-saoghail Ian chothrom am buaireadh sin a chuir ann an inntiun Mhie an duine aig an am so. Ach ma. chuir, cha d' thug Mae an duine aite do'n droch smuain, aon mhionaid. Ged a bha 'n saoghal a' faotainn na buadlia air, cho fad agus a bu. leir do shuil duine, agus a bha uachdarain an t-saoghail an impis a ghlacadh le lamhachas-laidir agus gu li- eucoraeli, elia do chaill e "earbs ann an gradh is maitheas Dhe. Ann an uaigneas na beinne, air dha bhi 'g urnuigli, fhuair

23

e dearbhachd ur air gradh 'Athar, agus dearbhachd ur, mar an ceudna, gu'n robh e giiiasad a reir toil Dhe, agus gu'n robli riiiutean Dhe 'g an coimhlionadh ann, ged nacli bu leir do'n t-saoghal e. Thug an f-eolas so a leithid de sholas 's de dh' aoibhiieas do Chriosd 's ffu'n do las as'h- aidh le gioir nan neamh.

Air a' bheinn choisrig Criosd e fein as ur, eorp is spiorad, do sheirbhis Dhe 's do slieirbhis a bhraithrean; agus bha an guth a thainig o neamh 'na chomharra follais- each gu'n do ghabh Dia ris an iobairt thaitnich a thairg e. "Is e so mo mhac gradhach anns a bheil mo mhor thlachd." Tri uairean chuala Criosd an guth aoibh- neach sin re a chuairt air thalamh; aig abhainn lordan, air beinn Hermon, agus ann am baile lerusaleim. Aig na h-amann- an sin bha cudthrom na h-oibre a thugadh dha ri dheanamh a' luidhe gu trom air a chridhe, ach ged a bha fheoil anfhann mar fheoil a bhraithrean, bha a spiorad toileach 's a thoil suidhichte, 's rachadh e air as-h- aidh eadhoin gu has. Agus a chionn nach do thoilich e an fheoil no toil na feola, ach gu'n robh e umhal do Dhia anns gach eeum, bheannaich is shealaich Dia dilseaehd a sheirbhisich le gu.th as na neamhan, "Is Vii mo mhac anns a bheil nio mhor thlachd." Ach ged bha Hermon 'na ionad a bu naoimhe do'n t-Slanuighear fein no bha e do na deisciobuil, agus ged b'ann air a sgath-san a threoraich spiorad Dhe do'n bheinn iad, fhuair na deisciobuil, mar an eeudna, fiosrachadh solasach agus bu mhaith dhaibh gu'n robh iad ann. Ged nach do mhair an sealladh ach greis bheag, bha iad cinnteach gu'm faca iad gloir an Tigh- earna. Dh' fhairich iad gu'n robh Dia dlutli dhaibh, agus bha an inntinnean air an toirt fo bhuaidh an t-saogh,ail neo-fhaicsinnieh. Cha'n'eil e comasach do'n chuid a's motha de dhaoine a bhi fo bh\uaidh nitheau ard is spioradail daonnan. Tha 'n fheoil anfhann agus tha neul a' pheacaidh 's na feola a' seasamh eadar iad is uithean maiseach an t-saoghail spioradail. Ach is maith a dh' eireas dhaibh ma bh^os iad air an togail suas an drasd 's a rithist os an cionn fein, 's ma chi iad plathadh beag de ghloir an Uile-chumhachdaich. Is e sin na h-amann- au a's fhiach cuimhn a ohiunail orra, oir tha iad do dh'anam an duine 'nan dearbhadh air na nitheau a ta siorruidh, agus 'nan roimh-bhlas de 'n aoibhneas mhor a tha feitheamh air sluagh an Tighearna, 'nuair olii iad e aghaidh ri aa-haidh.

BAS AN RIGH.

Cha mhor theaghlaichean rioghail a fhuair uiread graidh o'n sluagh 's a fhuair a' Bhan-righ nach maireann 's a cuid cloinne. An uair a thainig a mac a dh' ionnsuidh a' Chruin, thionndaidh cridhe na duthcha ris le blaths is baigh a chionn gu'm bu mhac a mhathar e. Ach cha robh e fad air a' Chrun 'nuair a chunnaeas gu'm b' airidh e air meas is gradh air a sgath fein, agus thainig naigheachd a bhais oirnn mar sgeul nan creach. Ged a bha monmhur am measg dhaoine anns an earrach nach robh e idir gu maith, cha robhtar a' toirt moran creideis do'n t-seanchas, agus cha do ghabh an duthaich eagal sam bith gu latha no dha m'an d' thainig a' chrioch. Thainig am bas aig am nach robh dull ris, agus aig am anns an robh feuni aig an duthaich air laimh mhaith air an stiuir, agus 'nuair a clmalas an sgeul bhochd bha Breatunn uile balbh le bron.

Cha 'n 'eil e furasda dhuinu an call a thainig air an duthaich n thuigsinn fhath- ast. Cha 'n e mhain gu'n d' thainig call air Breatunn le bas an duine choir, ach thainig call air an t-saoghal uile, oir bha cudthrom aig fhaeal am measg rioghachdan eile nacli 'eil aig facal neaeli sam bith a dh' fhag e 'na dheigh, agus bha fhaeal daonnan air taobh sith is reite. Cha bu toigh leis iorghuill, agus thatar ag radh nach d' thug e riamh cuairt do dhuthaich eile gun gean-maith na duthcha sin a chos- nadh do Bhreatunn. Blia agus tha righrean eile ann m' am faoidhteadh a radh gur h-e an t-seirbhis a b' fhearr a dheanadh iad do dh' aobhar na sith, fantuinn aig an tigh agus am beul a dhunadh, ach cha b' ann dhiubh .sin esan. Bha a leithid de dh' aoibh air aodann, 's de dheagh nadur 'na chridhe, 's de ghliocas 'na chainnt, 's gu'm faodadh inntinn shocrueh a bhi aig sluagh na duth- cha, "nuair a rachadh e a thaghall air righrean eile, Ian chinnteach nach h-e aimh- reit ach sith a dheanadh e.

Ann an duthaich a tha air a riaghladh mar tha Breatunn, is beannachd mhor e gu'm biodh meas is gradh aig an t-sluagh air an fhear a tha 'na shuidhe air an righ- chaithir, cha 'n e mhaiii air sgath 'inbhe 's a dhreuchd, ach air a sgath fein. Bha gaol aig an t-sluagh uile air an righ nach maireann mar dhuine, agus bha meas aca air mar righ, agus tha miltean is miltean an diugh 'ga chaoidh mar gu'n eailleadh iad caraid dluth. Bha aibhtean

24

aige gii iiadurra a blia furasd aii tuigsiun le daoine cumanta, agus ged a blia e os ar cionn, blia sinn a' faireachduiim gu'n I'obli e mar an ceudna dhinn, Breatimnach mor gasda a bha gle choltacli ris a' chorr d'a shluagh, ach a mliaiii gu'u robh e 'na righ. Bha e flathail 'na choltas, uasal 'na uadur, agus anabarrach truacanta. Cha robh duine anns an rioghachd a bu luaithe chnir- eadh a lamh 'na sporran airson thruaghan, agus an rud a dheanadh e, dheanadh e le loiun is tlachd. Bha e aig an tigh anns gach seorsa cuideachd, agus b' aithne dha am facal ceart a labhairt air gach am. Cha robii e a' tigh'nn beo dha fein no 'ga fhol- uch fein o shuilean dhaoiue; rachadh e 'nam measg gu toileach air feill is bauais mar gu 'm biodh aon dliiubh fein. Ma bhiodh e air uairean seachd sgith de na deas-ghnathanna a dh' fheumadh e dol tromhpa mar mhaighstir nam modhannau anns an rioghachd agus co an duine nach bitheadli? cha 'n aithnicheadh daoine eile sin air. Bha 'neart is 'uine air an toirt seachad gu saor leis do'n staid. Tha iadsan a bha 'nan comhairlichean aige ag radh, nach do rinn e riamh dearmad air dleasd- anas beag no mor a bhuineadh do'n staid, agus gu'n robh e daonnan a' cur obair na rioghachd air thoiseach air a thoilinntinn fein. 'Nuair a bha e air leabaidh a bhais, an latha m'an do shiubhail e, dh' eirich e a shealltuinn air obair a bha ri dheanamh, ged a dh' fheuch na lighichean ri bhacadh. Bha e 'na fhior dhuine coir; bha meas aige air a shluagh 's air a dhuthaich agus fo 'riaghladh mheal sinn deagh shoirbheachadh agus sith. Theid ainm sios ann an eaclid- raidh mar aon de na righrean a's fliearr a shuidh riamh air crun Bhreatuinn. Dh' fhag e aig a mhac, Eigh Deorsa, an dileab a b' fhearil a b' urrainn> e a thoirt dha, geau maith is dilseachd an t-sluaigh do 'n Chrun. Tha cuimhne aig cuid d'ar luchd loiigh- aidh air na litrichean faireaehdail a b'abhaist do Bhan-righ Victoria a sgriobhadh a dh' ionnsuidh a sluaigh aig na h-amaunan anns an d' thainig trioblaid oirre, ach tha sinn an duil nach do sgriobh i riamh litir a bhean ri cridhe na dutlicha mar a bhean an litir a sgriobh Ban-righ Alecsandra.

" O ghrunnd mo chridhe bochd, briste, tha mi toirt taing do 'n duthaich uile agus d' ar aluagh gradhach, airson an co-fhaireachduinn rium agus an caoimhneas a noohd iad dhomh anns an trioblaid a thainig orm bron nach gabh innaeadh. Cha 'n e mhain gu'n do chaill mise na bha agam de 'n t-saoghal le bas mo chompanaich gaoil, ach thainig call nach gabh leasachadh air an rioghachd. Chaill i a Righ, a h-athair, agus a caraid a b' f hearr.

Gu 'n cuidicheadh Dia leinn uile an t-uaUach trom

so a chunnaic e iomchuidh a leagadh oirnn, a ghiulan. A thoil-san gu 'n robh deante. Biodh cuimhn agaibh orm 'n ur urnuighean, oir bheir sin oonihfhurfachd dhomh, agus cumaidh e suas mi anna na bheil agam ri dol troimhe fhathast.

Tha mi a" gabhail a' chothroim so air taing a thoirt le m' uile chridhe do'n t-sluagh uile, ard is iosal, beairt- aich is bochd, airson nau litrichean caoimhneil a chuir iad thugam, agus airson comharran eile a fhuair mi air an CO fhaireachduinn rium. Bha na litrichean sin cho lionmhor 's gu bheil eagal orm nach h-urrainn mi am freagairt air fad.

Tha mi cur mo mhac gaolaoh air ur n-earbsa. Tha fios agam gu'n lean e ann an ceumannan 'athar, agus tha mi a' guidh oirbh an dilseachd 's an gradh a nochd sibh d'a athair, a nochdadh dha-san cuideachd. Tha fios agam gu'n dean e fein 's mo nighean-cheile na's urrainn dhaibh, gu bhi airidh orra. "

Bu chruaidh an cridhe ris nach beanadh an litir so, ag-us tha sinn cinnteach a-u 'n teid urnuighean an t-sluaigh a thairgsinu le durachd air son na Ban-righ chaoimh. G-u 'n lionadh an Tighearn a cridhe le comhfhurtachd an Spioraid Naoimh!

AN GARRACHDAN.

An uair a dh' flias na h-itean air a' gharrachdan, thuirt an fheannag ritlie fhein gu'm bu mhithich dhith eolas na beatha thoirt d'a mac gaolach, agus cunnartan an t-saoghail innseadh dha. An cluinn thu mi, ars' ise, ma chi thu fear a' gabhail seachad agus slat chaol 'na achlais, thoir do chasan as, oir is docha gur li-e gunna tha 'na asgaill. Ma chi thu fear no balach a' dol seachad, agus e togail doirneagan chlach, tarr as eho luath 's a ni do sgiathan dhuit, oir tha 'n t-olc 'na bheachd. Ach ma chi thu duine dol seachad gun dad 'na achlais, agus gun e cromadh a dh' iarradh chlach, na car- aich as an ait anns a bheil thu, oir cha bhean e riut. Ach, ars' an garrachdan, nach faod clach a bhi aige na jihoca. Bi falbh, ars' an fheannag, cha ruig mise leas an eorr a radh riut; cha 'n 'eil car ann am foghlum nam feannag nach 'eil agad cheana.

B' aithne dhuinn bodach a thug a mhac gu ceann an tighe aon latha, chum eolas na slighe thoirt dha mar thug an fheannag d'a mac fein. Lean thusa eiseimpleir t- athar, ars' esan, anns a h-uile ceum agus cha teid thu air seacharan. Thuirt am mac gu'n deanadh e sud. Faiceam mata, ars' 'athair, gu'm cum thu ri d' fhacal, agus cha bhi aithreachas oirnn le cheile gu brath. An ceann greis thug am bodach tarruing air a' phiob, agus las e i. Chuir am brogach a lamh na phoca, thugar a mach a' chutag fein, is cuirear gradan rithe. Cha robh fios aig athair gus a so gu'n robh e ris a'phiob, agus is e a thubhairt e An ann mar so a tha; chaidh thu orm, a gharraich.

I

i

I I

.J

-1

'4

M

Air 7.

1910

TOIBHEUM AN AGHAIDH AN SPIORAID NAOIMH.

Ge b'e labhias toiblieiim an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha 'n fhaigh e niaitli- eanas a chaoidh. Marc iii. 29.

Ann an leabhar lain Bhuniaii, Ch'ds a»i Pailteaf!, tlia e ag- innseadh gu'u do chuir na briathran so critli 'u a flieoil. Chuir iad a leithid de dli' uamlias air 's gu'n robh a blieatha 'na h-uallach dha. Ach, ars' esan. ged a blia mi sgitli de m' bheatha, clia i-obli mi deas airson a' bhais, oir bha mi cinnteach gu'n do chuir mi an gnionili am peacadli nach gabli maitheadh, 's nacli robii dol as agam o'n flieirg- a ta ri teachd.

Chuii na briathran eagal air iomadli duine eile cho mliaitli ri Iain Bunian, agus iha iad gus an latlia 'n diugli 'nan cnap-starra do mhorau. Clia ruig siun a leas ar leth- sg'eul a ghabhail airson a bhi tigliiun thairis orra, oir ged nacli "eil solus ur againn ri tliilgeil air a' chuis, feucliaidli sinn ris na briathran a mhineachadh a reir mar a tlia iad air an tuigsinn le daoine diadhaidh is pongail. Cha b'e faidli no abstol a labhair iad ach an Slanuigliear fein, agus I'aodar a bhi cinuteaeli nacli do labhair esan f'acal gun fheum, agus nach do labhair e facal riamh air ghaol uamhas is crith a cliur air a bhraithrean. Is e ceud dhleasdanas ehreid- mheacli feuchainn ri briatliran Chriosd a thuigsinn, agus au atli dhleasdanas feuch- ainn ri bhriathran a dheanarah.

Los au smuain a bha anu an iuntinn Chriosd a thuigsinn, feumar cuimhneachadh air an t-suidheaehadh anns an do chleachd e a' chainnt so. Au deigh dha an da fhear dheug a chur air leth ann an seirbliis an t-soisgeil, thill e air ais gu Capernaum. Chuala muinntir Glialile iomradh air na nithean miorbhuileaeh a rinn e air a churns do lerusalem, agus cha luaitlie rainig e an criochan no chruinnicli iad 'ga iounsuidh 'nan ceudan. Bha amharus aig Pharasaich lerusaleim gu'm faodadh cuisean a bhi mar so, agus chuir iad luchd brathaidh do Ghalile chum forfhais fhaotainn mu dhol a mach. Cha b' fhada o'us an d" fhuair an luchd

brathaidh an cothrom a bha dliith orra. Thugadh 'ga ionnsuidh balbhan, agus leighis se e. Chuir a' mhiorbhuil iongautas mor air au t-sluagh, agus ghlaodh cuid dhiubh gu'm b'e da-rireadh mac Dhaibhidh. Cha robh fiuthair aig na Pharasaich ris a so, agus cha do chord e riu. Cha ruigeadh iad a leas feuchainn ri teagamh a chur anns a' mhior- bhuil, oir ehunnaic an sluagh le 'n suilean. gu'n roljh am balbhan air a leigheas. Ach d\x fheucli iad ri oar eile a chur anns a' ghnothuch. Chrath iad an cinn, agus thuirt iad nach b'e cumhachd chneasda sam' bith a bha air giulan losa, agus gu'n robh e anu an co-bheinn ri Beelsebub, Prionnsa nan deamhan. Chuala losa an rud a chuir na droch Pharasaich as a leth, agus chuir olcas an cridhe mulad air. Chunnaic iad an gniomh maith is trocaireach a rinneadh, ach a chionn gu'n robh fuath is naimhdeas aea do'n neach a rinu e, chruadhaich iad an cridhe is mhuch iad an coguis, agus thuirt iad nach robh ann ach fior obair an deamli- aiu. An sin labhair losa na briathran riu Ge b'e neach a labhras toibheum an aghaidh Mhic an duine, maithear dha e, ach ge b'e neaeli a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid naoimh, cha mhaithear dha e, oir a ta, e air a bheo ghlacadh le peacadh siorr- uidh. Mar gu'n abradh e, ciod a's urrainu Dia fein a dheanamh ri daoine a dhuin au suilean an aghaidh an t-soluis, 's a chruadli- aich an cridlieachan an aghaidh na hrinn, mar rinn sibhse?

Cha d' thubhairt Criosd eadhoin ris na droch dhaoin ud nach faigheadh iad trocair,, ach le soluimceachd a bhriathrau chuir e 'nan cuimhne gu 'n robh iad ann an staid chunnartaich, agus gu'n robh iad, a reir coltais, cho caoin-shuarach mu nithean spior- adail 's gu 'm bu choingeis leo a' bhreug no 'n fhirinn, am peacadh no fireantachd. An uair a tha sin mar sin, tha am (bas spioradail dliith, agus cha 'n e Dia a tha tha toirt a mach binn a' bhais, acii am peacach e fein. Cha robh tlachd sam bith aig- an t-Slauuighear chaomh ann a bhi labhairt firinn shearbh ris na Pharasaich,. ach b'e an caoimhneas a b' fhearr a b' urrainn e dheanamh riu au cuunarl innseadh dbaibh, agus gun an taobh shearbli de 'u

26

fhirimi a chleith orra. Cha b' ioiiami dhaibhsan agais do iia cis-rahaoir is peaoaich eile na dutliclia. Blia iad sin a' dol air seacharan leis an aineolas agus a chioiin nach d' ionnsiiich iad casg a chur air aua- miannan na feola. Cha robh na Pliarasaich aineolach, 's cha mho a bha e taar chleachd- adh aca ruith a leigeil le 'n ana-miannan, ach bha iad uaibhreach, naimhdeil, agus b' fhearr leo an teangannan a bhi air an gearr- adh asda seach aideaehadh gur h-e obair Dhe a bha Criosd a' deanamh. Bha fuath cho mor aca dha agus gu 'm muchadh iad solus an inutiuu 's an coguis seach aon fhaeal maith a radh as a leth. Air a" chranu-ceusaidh ghuidh Chriosd air athair niaitheanas a thoirt do na daoiue a bha deanamh eucoir air, olr cha 'n 'eil fios aca ciod a fa iad a' deanamh. Ach bha deagh fhios aig na Pharasaich ciod a bha iad a' deanamh, an uair a thubhairt iad gu'u robh e ann an co-bheinn ri Beelsebub, agus is e sin a chuir bron air anam Chriosd. Chunnaic e gu 'n robh iad a' dunadh jin sul, 's a' muchadh an coguis 'nan deoin, agus is e sin am peacadh air an d' thug e an t-ainm, toibheum an aghaidh an Spior- aid Naoimh.

I. Cha 'n urrainnear earrann sam bith de 'n Bhiobull a ghabhail ann an seadh a tha dol an aghaidh spiorad a" Bhiobuill; agus, a reir teagasg a' Bhiobuill, cha diult Dia maitheanas do pheacach sam bith a tha aithreachail. Tha trocair Dhe cho far- suing ris a' chuau, agus buan-mhaireannach mar na neamhan. Co an Dia a ta cosmhuil ris-san, a mhaitheas aingidheachd agus a ghabhas seachad air eusaontais a shluaigh, oir cha ghleidh e a chorruich gu siorruidh do bhrigh gur toigh leis trocair? Cha "n 'oil Criosd a' ciallachadh leis na briathran so gu 'n tig an 1 atha anns nach eisd Dia ri urnuigh a' pheacaich, ged ghlaodhadh e ris le h-aithreachas 's le deuraibh. Cha b' urrainn Criosd an smuain uamhasach sin altrum, oir rachadh i calg-dhireach un aghaidh obair a bheatha fein, agus an aghaidh a bhriathran An ti a thig am ionnmidh, cha tilg m.i air chor sam bith a much e. Ach ged bha Chriosd toileach a' bheatha mhaireannach a thoirt do na h-uile, cha do ghabh ach cuid* ris an tiodh- lac a thairg e dhaibh ann an laithean fheola. An deigh do Jerusalem cul a chur ris, sheas e os cionn a' bhaile naoimh agus ghuil e. Cia minic a b' aill leam do chlann a chruinneachadh r'a cheile, mar a chruinn- icheas cearo a h-eoin fuiclh a sgiathan, ach

cha b' aill leibh. Cha b' aill leibh. Is © sin an toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh air an do labhair Croisd. Cha 'n 'eil peacach sam bith nach faigh maitheanas ach am peacach nach iarr e, agus is a an aon pheacadh a ta siorruidh, cul a chur ris a mhaitheanas a tha air a thairgsinn.

II. Cha ruig na briathran so, mata, & leas eagal a chur air neach sam bith, agus, gu sonruichte, cha 'n 'eil aobhar aca-san air a bheil eagal gu 'n d' thug iad toibheum do 'n spiorad Naomh, a bhi ann an diobhal misnich. Na biodh iad an dull gur peacadh diomhaireach so a dh' fhaodas iad a chur an gniomh gun fhios daibh fein, no gu'n d' thug iad toibheum 'nuair nach robh iad a' ciallachadh toibheum a thabhairt. Cha 'n "e iadsan air a bheil curani anma no eagal breitheanais a tha ciontach do 'n pheacadh so, ach iadsan a tha gun iomradh air Dia no diadhaidheachd, aig a bheil coguisean maol, is eridheachan cho cruaidh ri creig. An uair a theirear gu 'n do pheacaich neach an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha 'n 'e a thatar a' ciallachadh gu 'n do rinii e aon gniomh uamhasach a dliunas a mach o throcair e, no gu'n do labhair e faeal daua no ladarna an aghaidh treas BearsaL na Trianaid nach gabh maitheadh dha, ack gu bheil a bheatha uile calg dhireach an aghaidh na firinn 's an t-soluis, ag-us gu bheil e caoin shuarach g-ed tha. Is e BO ail diteadh gu 'n do ghradhaich daoine an dorchadas ni 's mo na "u solus, a chionu gu 'n robh an gniomharan olc. Eoin III. 19. Cha 'n e mhain gu 'n do ghradh- aich na Pharasaich ud an dorchadas, ^ch dh' fhuathaich iad an solus 's an neach a thug an solus 'g an ionnsuidh le naimhdeas cho guineach, 's gu 'n d' fheuch iad ri thoirt air daoine eile a chreidsinn nach ann bho Dhia a tliainig e ach bho Shatan. Thuit iad cho iosal 's a tha e comasaoh do mhac an duine tuiteam. An uair a dh' fhasas duine cho olc 's gu bheil guin aige do gach ni is neach a tha maith, faodar a radh, le firinn, gu bheil e air a bheo ghlacadh le peacadh siorruidh, agus nach faigh e maitheanas anns an t-saoghal so no anns an t-saoghal a ta ri teachd, a chionn nach 'eil maitheanas a dhith air. Is e an Spiorad Naomh uglidair gach maith agus gach maise agus gach deadh obair ann am beatha nan creidmheach, agus ma ni neach sam bith magadh air toradh na diadhaidheachd, no ma chuireas e 'na cheart deoin breugan air luchd- aideachaidh, air ghaol cron a dhean- adh do dh' aobhar an t-soisgeil is na firinn.

4.

4

.j^

.1

i.

I

I

27

tha e anil an staid cliunnartaicli. Cha 'n e mliaiu gii bheil e a' labliairt an agliaidli eo-clirentair, acli tha e labliairt an agliaidli an Spioraid Naoimh, an Solus "s an Fliianuis a thug Dia dha. Tha e air a blieo glilacadh le spioraid Shatain, agus ged tha e fathast anil an cruth duine, tlireig spiorad an duine- alais e, agus tha gach iii a bhuineas do Dhia marbh ann. Faodaidh e bliitli gii'n tig a leithid sin do dhuiue thuige fein uaireigin, agus gu'n dean e aithreachas ; agus ma ni, glieibh e trocair is iiiaitheanas o Dhia. Ach tha fiosrachadh ar beatha a' teagasg dhuinn nacli 'eil an seorsa so a' deanamh aithreacli- ais ach ainneamli, agus, am bitheantas, naeli 'eil iarraidh aca air maitheanas no suim do Dhia. Tha iad cagin shuarach co dhiu a tha iad ann an reite ris no nach 'eil, agus bidli am peaeadh a rinn iad anus an t-saoglial so oeangailte riu gu brath, a chionn gur toigli leo e, agus nach 'eil iarrtus aca dealaehadh ris.

III. Cha 'n 'eil iia briathran so a' cumh- annachadh trocair is gradh Dhe, ach tha iad a' toirt rabhaidh mu 'n cliumhachd eagallach a tha aig a' pheacadh air daoin a sgrios. Is 6 toil Dhe gu'ni biodh na Ji-uile &ir an tearn- adh, agus gu 'u tigeadh iad gu eolas na firinn, ach clia 'n iompaicli e duine sam bith an agliaidli a thoile. An uair a tha duine og, 's a tha chridhe gian, 's a tha choguis maotli, ciiiridh am peaeadh amis an tuit e dragh air inntinn, air chor 's nach bi fois aigo gus au iarr 's am faigli e maitheanas 0 Dhia. Aoli rachadh e air agliaidli anus a' pheacadh fad bhliadhnachan agus caillidh a chridhe a ghloine, 's a choguis a maothal- aehd air chor 's nach cuir e dragh sam bith air, agus nach duisg aithreachas ann. Tha an duine ni 's fhaide air falbli o rioghachd Dhe na bha e ami an laithean oige, cha 'u ann a chionn gu'n do ghiorraich lionmhoir- eaclid a pheacanna trocair Dhe, ach a chionn gu'n tug am peaeadh bhuaith iarrtus lair Dia 's air uaomhachd. Faodaidh am peaeadh tighiun gu leithid de dh' ire ann am beatha duine, 's gu bheil e dha mar aran anma, aran cho niilis "s gu'n diultadh e gach biadli fo 'n ghrein air a sgatli. An uair a thuiteas duine amis an staid iosal sin, ciod a"s urr- ainn Dia a radh ris ach Tha e ceangailte ri 'iodlialan, leigibh leis. Cha tig an latha gu brath anns an diult Dia maitheanas do neacli a ghlaodhas ris le cridlie briste |is bruite, ach faodaidh an latha tighinii anns nach iarr am peacach trocair, agus am bi e Ian thoiliclite le cuilihrioun na h-eucoir. Do bhrigli nach eil maitheanas a dhitli air, cha

'n fliaigh se e. Is e siii an aon pheacadh a

tha siorruidh; Gnu gleidheadh Dia sinn uile

o'li stad bhronaich sin, agus gu'n deanadh

e glic sin an am.

Cuimhnicli do Dhia an laitliibh t' oig,

Laithean gun bliron, gun dial,

M'an tig na bliadhnaidh breoite, tinn,

'S am fas air t-inntinn smal.

M'an tig gu airde eruas do chridh'

Grad-sgriobli air lagli do Dhia

'S do Chruitli-fhear cuimhnicli fos an tras

M'am fas tliu aosmhor liatli.

CRONACHADH.

Tha duine glic ag radh, " mar ubhlan oir aim an dealbhaibh airgid, tha am facal a labhrar gu h-iomchuidh, agus mar usgair de 'n or fhior-ghlan tha fear cronachaidh glic aig duals fhurachail." Cha 'n 'eil fios agaimi gu ro mliaith ciod a tha e fciallachadh leis an ifhacal ubhctl oir ann an dealbh airgid, ach tha e coltach gur h-e maise anabarrach air clior-eigin a bha 'n a bheadid; mar gu 'n abradli e, gu bheil iadsan a's urrainn cronachadh le gliocas agus ann am briathran ciuiu cho tearc 's nach coimeas dliaibh rud air bith ach an t-6r.

Feumaidh iadsau a tha ann an ughdarras OS cionn feadhnadi eile, mar tha parantan is maighstireau, an dleasdanas so ar ghabhail OS laimli, agus cronadiadh a thoirt seachad an drasd 's a rithist mar bhios feum air. Tha cuid de dhaoine ann nach 'eil uair sam bith air an doigli cho mhaitli 's a tha iad an uair a tha iad a' faotainn coire do neacli eile, agus a' toirt ruith de'ii teangaidh dha. Cha bhiodli e fior a radh gur droch dhaoine iad sin uile, no gu bheil iad an-iochdmhor is cruaidh-diridheach. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil cuid dhiubli 'nan daoine crosda, air chor 's gu bheil an canran 's an draochann cho nadurra dhaibli, 's a tha snamh do 'n tunnaig; agus tha e 'na fhaochadh dliaibh, an uair a bhios iad air mhi-dhealbh, ueach eile a ghortadiadh. Ach tha feadhainn eile aim, gu sonruiehte na boirionnaich, a bhios ri canran air sgath bruidhue, agus a cliionu nach 'eil rud eile aca ri radh, agus nach urrainn dhaibh a bhi 'nan tosd. Cumaidh iad suas an aon ghearan 's an aon dranndaii o mhocli gu dubh, ach cha 'n 'eil iad 'a' ciallacliadli dad leis. Am bitheantas, is ann air ceann na feadhuach a's doolia leo a thuiteas na miu fhrasan truid so. Tha e 'na fhaochadh dhaibh fein a bhi bruidhinn 's a bhi faotainn coire do gach ni is neacli timchioll orra, agus cha dean am briathran

28

cron dhaibhsaii aims am bheil iad an sas, ma tlia rud beag tuir is faigliidiii aca. Tlia moran mhnathau nacli urrainn tamh a leigeil le 'm fear, no le 'u cloinn, no le 'n searWi- antan, aon mliionaid. Is e sin an gne, agus is e sin an doigli air inuseadh gu bheil suim is gradh aca dliaibh. Ged nacli leig iad asda am iiacal fad an latha, clia ,'p aun le feirg a tha iad a' bruidhinn, 's tha gradh is eaomhalachd 'nan cridhe ged tha 'n canran air am bilean. Gle bhitheanta tha an seorsa so 'nam mathraichean gaolach, agus cho mhaith air banas-tighe 's gu'n aithnicliear am fir anns na geatachan, an uair a shnidheas iad maille ri seanairean na tire. Tha gaol mor aig an cloinn orra, agus cha trie le 'n searbhantan am fagail. An uair a thuigear nach e crosdachd no droch naduv a tha toirt orra a bhi faotainn coire, ach gu bheil iad ris mar fhasan, agus air sgath bruidhne, no air sgath an ughdarras a ghleidheadh aig taobh an teallaich fein, eisdear riu gun ghruaim gun mhiothlaehd. Tha dranndan nam boirionnach so "mar oran duine aig am bheil guth binn agus a chluich- eas gu maith air inneal eiiul," oir ged a dh' eisdear am briathran, cha 'n 'eilear 'gan cluinntinn.

Tha daoine eile ann a rugadh le nadur a" mhaighstir-sgoile, daoine coire a tha 'n duil gu bheil e mar fhiachaibh orra an coimhearsnaich a cliur ceart, agus am fail- innean innseadh dhaibh. Tha iad cinnteach gu bheil iad fein anabarrach glic, agus gu'u d' thug am Freasdal an dleasdanas dhaibh, daoine eile a chomhairlicheadh. Cha 'n 'eil e duilich leis an t-seorsa so coire fhaotainn, no neach a clironachadh air a leis. Am bitheantas, is daoine cneasda iad; cha 'n 'eil olc no farmad 'nan cridhe, agus cha 'n ann air ghaol neach a ghortachadh a chronaich- eas iad e, ach air ghaol 'amaideas a nochdadh dha. Foadaidh e bhith gu bheil e 'na ghreim milis d" am fein speis sin a dhoanamh, oir ann an cronachadh amaideas neach eile tha iad ag ardachadh an gliocais fein, ach cha 'n ann air a shon so uile gu leir a tha iad 'ga dheanamh, agus faod- aidh e bhi gun fhios daibh 'gu bheil am fein speis air a seideadh suas. Mar a's trice, is e seann daoine a bhios ris |in obair so, agus tha iacl an Ian bheaehd gu 'n rachadh an saoghal 's na tha air uachdar air seacharan gu buileach, mur b' e na deagh chomhairlean a tha iad fein a' toirt orra. Ma thachras air fear dhiubh so brog- ach a' dol do 'n sgoil 's gu 'n abair 0 ris, lonnsaich thusa do leasain, a laochain, 'nuair a tha an cothrom agad, biclh e

anabarrach toilichte a chluinntinn, an deigh laimhe, gu bheil am brogach a" faotainn air aghaidh anns an t-saoghal. Their p,. Is ann agam a bha flos gu 'n deanadh e sin, ghabh e mo chonihairle agus cha (io dhichuimhuich e an rud a thuirt mi ris. Ma dh" iarr e air eoimhearsnach a chasan - a chumail tioram air eagal fuachd, agus gu 'n do bhathadh an duine, an deigh laimhe, crathaidh e a cheann agus their e. Dh' aithnich mi mar dh' eireadh dha, cha ghabadh an duine truagh mo chonihairle. Is e "n fhirinn nach 'eil moran dhaoine a' gabhail suim do chronachadh no do chomh- airlean an t-seorsa so, ged tha iad fein an duil gu bheil. Tha iad 'nan daoine cneasda ach car socharach, ach tha e ri radh as an leth gu bheil iad cho fialaidh le 'n sporan 's tha iad le 'n comhairle, agus gur iad a 'cheud fheadhainn a chuir- eadh an lamh 'nam poca airson banntrach an fhir a bhathadh.

Ach a dh' aindeoin ciod a ni boirionnaich is bodaieh, tha e fior nach toigh leis a' chuid a's motha de dhaoine neach eile a chronach- adh no bhi faotainn coire dhaibhsan air a bheil ughdarras aca Is fhearr leo an suilean a dhunadh air chor "s nach faic iad na tha cearr, agus call fhulang seach bruidhinn. Ma dh' fhaoite naeli moladh so orra, ach is e 'n fhirinn e. Neo-ar-thaing nach talaich iad os iosal agus nach bi droch ghean orra, ach is fearr leo a bhi crosda fad seachduinn seach aon trod a dheanamh agns fhaotainn seachad. Air uairean, tha iad samhach a chionn nach eil iad cleachdte ri ughdarras no ri seirbhisich a bhi fodhpa. Tha cion misnich orra. Leigidh an seorsa so le cui.sean dol air an aghaidh, gus an toir fearg misneach dhaibh, agns an sin bruidhnidh iad gu searbh agus gu salacli. Cha bhi fios aca ciod a tha iad ag radh, agus cha clean an cronachadh feum do neach beo, oir cha bhi e a reir ceartais no caoimh- neis. Ach air uairean, tha daoine samhach an uair a bu choir dhaibh labhairt, a chionn nach toigh leo neach eile a ghortachadli. Tha an fhaireachduinn sin cliuiteaeh dhaibh, ach aig a" cheart am, tha e moran ni 's cacimhneile do mhaighstir a sheirbhisich a chronachadh anns an aodann agus innseadh dhaibh ciod a tha cearr, seach a bhi gluasad nam measg gu balbh gruamach, is fios aca gle mhaith gu bheil e cho cas, crosda ris na dri.sean, ged nach 'eil e 'gradh diog. Cha 'n 'eil sin aon oliuid maith dha fein no dhaibhsan. Is fhearr aon chronachadh garg seach sior chanran.

,4

''i 4

'i

4

4

Air 8.

1910.

FACAL DUILICH.

Ann an ereiid nan abstol tha aou fhacal a bhios a' cur iongantais air moran Chaidh e nios do ifritin. Ciocl a tha am facal a' ciall- achadli ? Faodar ua sg-riobtuirean anus a blieil an fliiriun so air a leagasg a tlioirt comlile. :

Air dha-sau so a roimh-fhaieiuu, labliair e jnu aiseirigh Cliriosd, naeh d' fhagadli auam ann an ifrinn agus nach faea fheoil truaillidheaclid. Gniomh ii. 31, agus Salm xvi-

Oir dli' fhuiling Criosd fein aou uair air son pheacanna, air dha bhi air a chur gu bas 'san flieoil, acli air a bheothachadh tre an spiorad, leis an deachaidli e mar an coudna agus an do sliearmouaicli e do ua spicradan aun am priosau ; a blia o shean eas-umlial, 'nuair a dli' flieitli fad-fliulan- gas Dhe ann an laithean Noah: /. Pead. in. 18, 19, 20.

Oir is ann chum ua criclie so a shearm- onaieheadh an soisgeul dhaibh-san a tha marbh mar an ceudna, chum gu'n tugtadh breith orra a reir dhaoine 's an fheoil, ach guin biodh iad beo a teir Dhe 's an Spiorad. I. Pead. iv. 6.

An taobh a macli de na h-earannan so, eha 'n 'eil a' bheag air a radii anns a Bhiob- ull mu'n fhirinn a tha creud nan abstol a' cur anus na briathrau chaidh e sios do ifrinn.

Tha leabhar aidmheil na h-eagiais Shas- unnaich ag radh Mar fhuair Criosd bas air ar son, agus a dh' amhlaiceadh e,feumar a chreidsinn mar an ceudna gu 'n deachaidh e sios do ifriun, oir luidh a chorp anns au uaigh gus an aiseirigh, ach bha a spiorad maillc ri spioradau na feadhnach a bha air an. glasadh am priosan, no ann an ifrinn, agus shearmonaidli e dhaibh mar tha Peadar a' toirt fianuis.

Ann an leabhar Aidmheil a' Chreidimh, creud eaglais na h-Alba, cha 'n 'oil diog air a radh mu dhol sios Chriosd do ifrinn, 's cha mho a tha leabhar aithghearr nan ceist a' feuchainn ri solus a thilgeil air a" chuis

Tha briathrau Pheadair a' togail da cheist :

(1) C aite an robh si^iorad Chriosd eadar a bhas is 'aiseirigh ?

(2; Ciod a bha e deanamh anns an aite sin ?

Feumar a chuimhneaehadh naeh 'eil am facal ifrinn a' ciallachadh ionad na dbruinn ach staid nam marbh. Ged a thuirt Calviu gu'n d' fhuiling Criosd uile phian agus uile thruaighean ifrinn 'ua anam fein, air cilia bas fhaotainn air son a bhraithrean, cha ruigear a leas Calvin a chreidsinn. Cha do bhlais Criosd plan ifrinn Thuirt e ris a' ghadaiche a cheusadh maille ris An diugh bidh tu am Parras maille rium - sa. Is e Parras staid uam marbh, agus is aun do'n staid sin a chaidh Criosd, 's clia 'n ann do ionad na doruinn. Tha siun an duil gu bheil moran chreid- mheach a' tuiteam ann am mearachd a tliaobh staid na feadhnach a dh' fhag an saoghal so. Their iad gu bheil na naoimh, aig uair am bais, a' dol a steach do ghloir agus gu bheil na h-eucoraich a' dol (a steach do ifriun. Ach cha 'n urrainn siini sin a ghabhail uile gu leir mar fhirinu. Ged nach 'eil an solus a tha againn air a' chuis, mor, agus ged nach urrainn duine labhairt le cinnt air cuspair clio dorcha, tha aobhar againn. a bhi creidsinn gu bheil staid mheadhonach ann anns a bheil anma nam marbh a' comhnuidh eadar uair ,am bais is latha bhreitheanais. A reir an doigli biuidhne a tha aig moran dhaoine, cha 'n 'eil a ileithid de ui is aiseirigh ann idir. Tha iad an duil gu bheil anma nan naomh a' dol a steach do neamh gu bhi moladh Dhe an dearbh mhionaid a dh' fhagas iad an corp, agus ma tha sin fior, cha 'n 'eil le furasd a thuigsinn ciod a thatar a' ciallach- adh le aiseirigh no le breitheanas, Nach 'eil esan a tha moladh Dhe, 's 'ga fhaicinn aghaidh ri aghaidli air a ghlorachadh cheaua, agus ciouuus a dh' eireas e as lir ann an la na h-aiseirigh, no ciod am feum breith a thoirt air ueach a tha cheana aun an gioir ? An uair a labhair Criosd ris a' ghadaiche mu Pharras, bha e ciallachadh, a reir ar beaclid, staid air chor-eigin a tha eadar dhealaichte o nea.mh. Cha 'n 'e Parras is neamh an aon aite. Chaidh Criosd do Pharras an deigh dha a spiorad a thoirt seachad air a' ehrann - ceusaidh, ach cha deachaidh e gu deas laimh an Athar gu sia seachduinnean an deigh na h-aiseirio^h. Ach tha gach ni a bhuineas do ehaoo-hal

30

nail, spiorad auabarrach dorclia, agus clia 'n 'eil moran eolais ri fhaotaimi blio reusaii no blio na sgriobtuirean. Ach a dh' aou ni, faodar a blii ciuuteacb, nach deacliaidli an Slanuighear do ionad na doruinn, agus gur h-o a tha am facal so de chreud nan abstol a' ciallachadh, gii'n do rinneadb e aims na h-uile nitliean coltach ri bliraithrean, agiis gu'n do ghiulain e an oranncliuir gu ruige dol a steach maille riu do'u staid anns an teid annia iiau uile, aig uair am bais. Chois- rig e gaoh ceuiii de 'n turns gu taobh thall na h-uagha.

Ciod a rinn Criosd ann- an staid nam marbh, eha "n urrainnear a radh ? Tha Peadar ag radh gu'n do shearmonaieh e an soisgeul do chuid, ach ged a, bhiodh |e dalma a radh nach robh an sin ach smuain fhaoiii a dh' eirich ann an inntinn Pheadair feiu gun ughdarras sam bith o Spiorad Dhe, tha bhriathran a' togail iomadh ceist a tha ni 's fhasa an cur no am fuasgladh. An do rinn iadsan a ehual an soisgeid air taobh eile na h-uagha aithreachas? Am faod ath- arrsohadh tigh'nn air neach an deigl) a bhais ? Mur do rinn agus mur gabh, ciod am feum a bh' ann do Ciiriosd an soiso-eul a sheavmonaeh. Ag-us mu shearmonaieh se e do chuid, carson nach do shearmonaieh e do na h-uile ? Cha 'n uri-ainu sinn dol a steach ann an uitheau diomhair de 'n t-seorsa sin, ach is e ar beachd fein nach do cliuir Peadar an smuain a bha 'na bheaclid ann an doigli shoilleir, cha 'n ann u chionii nach robh fios aige ciod a bha e 'g radh, ach a chionii gu "n deach- aidli amhladh air chor-eigin 'na bhriathran an uair a bha e feuchainn ris an smuaiu a se'riobhadh.

AN DUINE COIR.

Co cl&n trhiir so a bu choimhearsnach dha- san a thuit am measg an luchd-reub- ainn. Lucas, x. 36. Air do losa a bhi teagasg ann an sion- agog araidh, dh" eirich fear-lagha aig deir- eadh an t-seainioin agus chuir e ceist air. Cha b' ami air gliaol solus fhaotainn a rinn e sin, ach bha e "n a sheorsa de phearsa eagiais e fein, agus bu mbaitli leis a dhear- bhadh an lathair an t-sluaigh nach robh teagasg losa fallan. Ciod a ni mi, ars' esan, chum gu'n sealbhaich mi a' bheatha mliair- eannach ? Tliuig losa gu niaith ciod an seoi'sa duine a bha aige, agus an aite a fhreegairt, tliuirt e ris Ciod an seoladh a tha an lagh a' toirt dhuit air a' chilis? Tha an lagli ajj' radh. ars' am fear-lagha,

Grndhaich an Tighearna do Dhia le d' uile chridhe agus d' uile anani, agus do choimh- earsnach mar thu feiu. Dean thusa sin, tliuirt losa ris, agus bidli a' bheatha mliair- eannach 'agad. Cha b' urrainn am fear- lagha a radh nach robh an teagasg so fallan gu leor, ach dh' fheuch e car eile agns thulhairt e, Co e mo choimhearsnach? A reir teagasg nan sgriobhaiehean, cha bu choimhearsnach do ludhach ach ludhach eile, ach bha amliarus aig an fliear lagha gu'n robh teagasg losa na b' fharsiiiuge na teagasg nan sgriobhaiehean, agus dh' fheoraich e a' cheist, an dull gu'm biodh e air a dhiteadh as a bliilean fein, an eisd- eachd an t-sliiaigli. Ach ehunnaic losa an ribe a chuir an drocli sg'ealb roimlie, agus a)i aite a fhreagairt anus an doigh a bu nihaith leis, dh' inni.'s e dha an naigheaehd a leanas.

Bha duine araidh air a thurus gu lerieho, agus air dha tuiteam am measg luchd-ieub- ainii, thug iad bhuaith na bha aige, rinn iad droch ghiullachd air a chorp, agus tliilg iad e taQbh an rathaid, leth-mharbh. An ceauu greis, co a thainig an ratliad ach sagart. Mhothaich an sagart do'n rud a bha ri taobh an rathaid, ach an uair a ehunnaic e nach robh ann ach diol-deirce truagh anus na h-ospagan deireannaeh, chuir e leud an rathaid eatorra is gliabli e seachad. Air sail an t-sagairt thainig Lebh- itheach, agus rinn e mar an ceudna. Ach th8.cliair gu'n robh Samaratanach a' gabhail an rathaid an la ucl, agus an uair a ehunn- aic esan droeli cor an Jf'hir a bha 'na shin- eadh, gliabh e truas dheth agus rinn le cobhaiv air. Cheangajl e a chreuchdan agus ghabli e euram dheth. Co de'n triuir ud, thuirt losa ris an fhear-lagha, a bu choimh- earsnach dhasaii a thuit am measg an liichd- reubainn? Chunnaic am fear lagha nach robh ;feuiii dha an corr a radh, loir bha coguis is tur nadurra ag innseadh dha gu'n do rinn an Samaratanach gnionih eaomhal, 's gu'n do rinn na seoid eile gniomh narach. Aeli cha ruigeadh an droch nadur leis an Samaratanach aiumeachadh air a cheann agus is e thubhairt e An ti a rinn trocair air. Imich thusa, thuirt losa ris, agus dean mar an ceudna.

I. Anns a' chosmhalachd so tha losa a' diteadh inntinn chumhann nan ludhach. Bha iad an duil nach robh suim aig Dia do shluagh ach iad fein a mliain, agus bha iad air an seideadli suas le uabliar spiorad- ail. Bha iad a' sealltuinn sios le tair air an coimhearsnaich, agus gu souruichte, air muiuntir Slianiaria. Blia seann g-hamhlas eatorra, agus ma b" fhior na h-Iudliaioh,

1

1

I

t'Sl!

olia robh aims na Samaratanaicli acli daoino boil), aineolach, aiiuliadhairlli. Cliuireadli e i'earg air IiKlhaeli nan abairt- eadli ris gii'm faodadh fear de mhiiinntir Sliamaria a bl^i elio diadliaidh ris fhein. Acli is e sin an dearbh rud a tliiurt losa ris an fhear-lag-ha ag'us ris an luchd-eisd- eachd eile anns a' chosmlialachd so, agiis chuir e an fhirinu m' an eoinneamli air doigh cho genr "s clio soilleir 's naoli b' urrainn iad a radh gu'm b" ole a labhair e. Theagaisg e dhaibh gu bheil an diadhaidh- eaohd, oolteeh ris a" chairdeas. mar a ehuniar i, agus b' flieudar dhaibb aideachadh nach robli anns an t-sagairt, a bha 'na pliearsa eaglais, aeh diu nam fear lamh ris an t-Saniaralanacli nach robh de dh' eaglais idir. Gad nach 'eil an cosmljalachd ag radh gu 'ni b' ludhacli am fear a blia 'na oigiu, faodar a thuigsinn gnr h-e Iiidhach a bha aim, agus tlia sin a' deanamh gniomh na droch caraid a ghabh seacliad air na 's nnraiche. Bha duthchas cbo mhaith ri diadhaidheachd ag iarraidh orra trocair a noc'hdadh do'n duine, acli cba do leig iad cm gu'n robli lioinne annta de'n aon fhuil. . Ma dh' aithuich am fear a bha 'na shineadh gu'm bu Shamaratanach a bha anns an treas fear a bha tighinu air an rathad, theireadh e ris fein nach b"e sin cobhair nan geas, 's nach ruigeadh e leas fiuthair a bhi air gu'n tugadh e comhnadh dlia. Ach cha b' aun mar sin a bha. Rinn an Samaratauach loui is direach air; bu choma leis co dhiu a bh' ann coigreach no fear-cinnidh, chunn- aic e gu 'n robh e 'na eigin, agus rinn e gu h-uasal ri uambaid. Cha b' urrainn e bhith nacli tuigeadh am fear lagha 's ua h-Tudhaich eile a bha anns an ,t-sionagog an la ud gur h-e a bha Criosd a' ciallachadh gur elanu Dhe iadsan uile anns a bheil spiorad a' ghraidh, co dhiu is ludhaich no Greugaich no Samaratanaich iad. Chron- uich e an cumhannachd, agus theagaisg e dhaibh an fhirinu air an d" thainig Peadar thairis an deigh laiinhe, firiiin a dh' ionns- aich e o losa fein Clia 'n 'eil Dia ia,g amharc air pearsa seacli a elieile, ach aims gach uile chiimeach tha an neaeh air a bheil eagal-san, agus a tha 'g oibreachadh fireantachd, taitneach leis. Gniomh. x. 34. II. Is e spiorad a' ghraidh fianuis /ua diadhaidheachd. Is aim o Dhia a tha an gradli; agus gach neach a ghradhaicheas glimeadh o Dhia e agus is aitlme dha Dia. / Eoin. iv. 7. Ged nach d' thubhairt losa gu'm. bu chealgairean an sagart 's an Lebh- itheach, leig e le a luchd - eisdeachd a thuigsinn nach robh annta aeh luelid aid- aideachaidh aig' an robh eoslas na diadli-

aidheach gun a cumhachd, agus ged nach d' thubhairt e gu'n robh an Samaratauach eoimhlionta, leig e leo a thuigsinn gu 'n lobh caomlialaclid is gradh an duine tait- neach am fianuis Dhe. Cha robh teagamh sam bith aca nach robh an sagart 's an Lel.hitheach 'nan daoine diadhaidh; bha iad a' eoimhead an lagha a reir an soluis, bha. iad eudmhor ann an seirbhis Dhe ag-us o-lan 'n an c|iitheamb beatba, ach bha iad as eugmhais spiorad a' ghraidh 's na caomh- alaohd, agus a ehionn gu'n robh, cha robli annta ach crionaichean gun sugh aim am fion lios Dhe. Tha e furasda gu leer eoire fhaotainn do'n t-seorsa, diadhaidheachd a ehrrnaich an Slanuighear aim am briathran garg an uair a l)ha e air thalamh, agus ar n-aonta a ohur ris a li-uile facal a labhair e an aghaidh luchd aideachaidh aig an robh an t-ainm gun an tairblie, ach bhiodh e moraii na b' fhearr dluiinn srauaineacliadh ciod a theireadh e ruinn fein agus ri buill eilo na h-eaglais, n'an tigeadh e air ais an diugli. Nach faod e bhith gu'n abradh e ruiim a' cheart rud a tliuirt e ris na Phar- a.saich, agus g'u'n racliadh e an taobh a mach de'n eaglais a dh' iarraidh nam fior Chriosduidhean. Tha siun an dochas nach 'eil sinn 'g ar mealladh fein die buileach 's a bha na Pharasaich, ach tha eachdraidh an t-saoghail a' teagasg dhuinu gu bheil e furasda do'n eaglais tuiteam air falbh blio iimtinn Chriosd agus cudthrom a leagail air nithean a l)ha suarach 'na bheachd-san, agus na nithean air an do chuir esan cudthrom a clhichuimhneachadh. Bha aon ni a theag- aisg Criosd do na deisciobuil gun sgur, agus is e sin, gu bheil daoine trocaireach dluth do rioghachd Dhe, agus daoine cruaidh- chridheach fad air falbh uaipe. Theagaisg e an fhirinu sin dhaibh an iomadh doigh, ach gu sonruichte, le bheatha 's le ghiulaii fein. A reir iimtinn Cliriosd, is e cion caomhalaehd is truaeantais an combaradh a's cinnticlie nach 'eil cuid no pairt aig an duine ann an rioffhachd nan a'ras, 's ii'u bheil e air a riaghladli le spiorad olc on t-sacghail, 's cha 'n aun le spiorad Dhe. Cumar comanaehadh bho dhaoine air a.m facas daorach, 's bho dhaoine nach teid clo 'n eaglais, ach an cumar daoine o chomaiiachadh a chionii gu bheil iad sanntach is an-iochdmhor is fuar-chridh- eaoh? Faodaidh gur h-e an reusan, ann an tomhas co-dliiu, gu bheil e ua 's fhasa do'n eaglais peacaima na feola a cbomh- arrachadh seach peacaima na h-inntinu; ach nar^i faodar a radh cuideaehd gu bheil an eaglais a' meas gur miosa neo-stuamachd no sannt, 's gur miosa peacaima cuirji no

3i!

peacanua ciidhe. Cha 'n ann o_ Chriosd a fhuair an eaglais am beachd eiu ach on t-saog-lial. Cha 'n 'eil sinn a' g-abhail leth- sgeul nan drongairean le so a radii, ach tha siiin a' feuchaiun ri aire ar luchd leugh- aidh 0. tharruing a dh' ionnsuidh na firinn, gu'n robh an Slanuighear eaomh fichead iiair na ba truime air peacanna na h-inntinn no bha e air peacanna na feola. Las a chorr- uicli ann an doigh eagallach an aghaidh uabhar is sannt is fein speis is cruas-eridhe is neo - chaomhalachd, agiis thuirt e gu'n rachadh eadlioin na cis-mhaoir a steach do rioghaehd Dhe air thoiseach air luchd aid- eachaidh de'n t-seorsa so. Ann an aon seadh, tha sinn uile a" creidsiun so, agus aidichidh sinn gur ceart a' bhreith a thug an Slanuighear air a luchd duthcha ann an laitbean fheola, ach, ann an seadh eile, tha sinn a dol calg-dhireach an aghaidh innt- inn-san, agus duinidh sinn dorus na riogh- aehd an aghaidh an t-Samaratanaich anns a bheil failinnean, ged a dh' fhosglas sinn 6 do dhaoine fuar-chridheach anns nach 'eil aon bhoinne de spiorad a' ghraidh. Coma leam, ars' Iain Wesley, beachdan no aid- mheil duine, faiceam a ghradh is toradh a' ghraidh 'n a bheatha: Faodaidh duine dol do neamh gun bheachdan, ach cha teid e ann gun ghradh. Ged labhrainn, arsa Pol, le teangaibh dhaoine agus aingeal agus gun ghradh agam, cha 'n 'eil tairbhe sam bith dhomh ann. Cha 'n "eil ann an diadhaidh- ■eachd gun ghradh ach plaosg gun bhiadh. Faodaidh iomadh failinn a bhi ceangadte ri duine, ach ma tha trocair is io(!hd is caomhalachd is gradh 'na chridhe, tha tomlias de S]3iorad Chriosd air a ghiulau, ao-us esan aig nach 'eil spiorad Chriosd, clia bhuin e dha. Ciod a theirear ri luchd aid- eachaidh aig a bheil cridheachan cruaidh, an - iochdmhor, daoine fuar, greannacdi, sauKtach, nach cuireadh iad fein mu'n cuairt air son neach fo 'n ghrein— ciod ach gu bheil iad eu-coltach ri am Maighstir. An iiair a thig latha na h-eigin air an coimh- «arsnach, cha 'n ann orra-san a bheir e 'aghaidh ach air an t-Samaratanach. Ged their e riu-san daoine iompaichte, 's nach abair e ris an t-Samaratanach ach duine coil', tha fios aige gle mhaith c'aite a bheil a' chaomhalachd 's an caoindmeas 's an o-radh. Is ann air an toradh a dh' aithnich- lar ereidmhieh, agus cha bhiodh iougantas sam bith ged chuireadh an saoghal an creid- imh an suarachas, ma gheibli bochdan is truaghain barrachd caomhalachd bho na peac'aich na gheibh na naoimh. Tha e fior nach ann le fialaidheachd a laimhe a thearnas duine 'anam, ach

tha e fior, mar an ceudna, gur toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir, agus an neach a chuidicheas le cho-chreut- airl, a reiji- a chbmais. Mur bean trioblaidean is acras is duileadasau dhaoine eile ri ar cridheachan, tha an Ian am againn isinn fein a cheasnachadh feuch an aithne dhmnn idir spiorad Chriosd. An ti nach gradhaich a bhrathair a chunnaic e, cionnus a dh' fheudas e Dia nach fac e a ghradhachadh ? / Eoiii iv. 20.

III. Ged nach robh e am beachd an t- Slanuigheir a dheanamh, tharruing e a dhealbli fein anns a' chosmhalachd . Is esan, da-rireadh, an Samaratanach maith, agus cha 'n 'fhaighear gu brath coimeas a's fhearr no am facal so air caomhalachd is gradh Chriosd, Bithear, air uairean, &,' bruidhinn mar nach V ann de 'n aon ghne a tha gradh Chriosd is gradh duine. Cha 'n 'eil sin fior. Tha an gradh de 'n aon ghne, CO dhiu a gheibliear air neamh no air tal- amh e. Is e an aon dealachadh a tha eadar gradh Chriosd is gradh an duine, gu bheil gradh Chriosd na 's farsuinge, a' gabhail a steach an t-saogliail gu leir, 's a' toirt tiodhlacan d'a naimhdean cho mhaith ri chairdean. An uair a bhios neach air a o-htuasad, le truacautas is iochd, gu eobhair a dlioauamh air neach eile a tha ann an (h-och staid, tha a' cheart ghradh 'na chridhe a ghluais Criosd gu teachd do'n t-saoghal so ^chum ministreileachd a dheanadh d'a bhraithrean. Chuidich e leo-san a bha ann

ri

an teinn, bha chluas daonnan fosgailte glaodh gearain, thug e misneach dhaibhsan a l)ha call an neart, agus rinn e bron maille riusan a bha tursach. Cha b' ann a throd ri peacaich a thainig e, ach 'g an tearnadh ; charobh dad de nadur an t-sagairt ann ach moran <le nadur an t-Samaratanaich, agus is e sin a thalaidh daoine 'ga ionnsuidh. Dh.' fhuiling e sgios is magadh ann _ an seivbhis a bhraithrean, aoh cha do sgith- ich a, ghradh; thug e dhaibh na bha aige, agui mu dheireadh thug e seachad anam air an son. An urrainn neach crioch a's aii'do a chur roimhe 'na Idieatha no eisimpleir an t-Slanuigheir chaoimh a' leantuinn, agus a Idii caomhal, blath chridheach is gradliach mar bha esan? As eugmhais nan grasan sin bidh ar naomhachd gun mhaise. Tha eadav dhealachadh eadar creidmheach is creidmheach a thaobh naomhachd, 's tha eadar dhealachadh eadar naomhachd is naomhachd a thaobh gloire, ach is e an naomhachd a's airde an gradh. Tha an naomhachd sin mar ubhal oir ann an dealbh airo'id.

Air 9

1910.

LA AN TIGHEARNA.

Gun bhi leigeadh dhinn siiin feiii a chrtiimi- eachadh an ceann a cheile: Eabh x. 25

Ann an litir a bha air a sgriobliadh anns a' bhliadhna 110, tha e aiv a radh g-u'n robh e !mar clileachdadla aig na Criosdiiidhean cruinneacliadh conihla air la sonriiiobte chum laoidbean a sheinii agiis aoradh a dheanamh do Chriosd, agiis chum am boidean a thabh- airt g'u 'n seachnadh iad olc. Bha an cleaohdadh so iomchuidh ann fein, agus blia e mar an ceudna 'na fhianuis do'n t-saogiial air creidiinh is dilseachd na feadhnach a bha 'ga chumail suas. Ach tha e coltach gu'n robh cuid de Chriosduidhean nach robh cho eudmhor ri each a' deanamh dearmad air dol do na eoinneamhan ud, agus is ann chum iad sin a bhrosnuchadh gu eisimpleir ohaich a leantuinn a labhair an t-abstol na briathran, JS'a leigihh dhibh sibh fein a chruimieachadh an ceann a cheile, agus gu ma moid a ni sibh so, do bhrigh gu bheil sibh a' jaicinn an la a tarruing am fagus.

Bu mhaith leinn facal no dha a radii anus an aireamh so air dleasdanas luchd aideachaidh a thaol)h na Sabaid agus tigh- aoraidh ran Tighearna. Ach, an toiseach, faodiar beag-an iomraidli a dheanamh air an doigh anns an robh la an Tighearna air a choimhead leis na ceud chreidmhich. B' anil do'n chreidinih ludhach a bhuineadh na h-abstoil, agus am feadh 'sa bha iad fo 'n lagh, bha iad a' toirt umhlachd do'n lagh, agus' a coimhead nan laithean 's nam feiltean 's nan gnathannan a bha sgriobhta 's an lagh. Ach an uair a thaiuig na cinnich nach robh a' toirt geill do lagh nan ludhach a steaeh do 'n eaglais, b' fheudar do na h-abstoil fheoraicli dliiubh fein an robli e feumail no iomchuidh gnathannan nan ludh- acli a cheangal mu amhaichean nancinneach. Bha cuid de na h-abstoil leis am bu mhaith sin a dheanamh a chionii gu'n robh taobh bhlath aca ris a' chreidinih anns an do thog- adh iad, ach bha cuid eile dhiubli nach robh a' faicinn gu'n robh feum sam bith ann. Bha ail t-abstol Pol Ian chinnteach nach b'e toil Dhe gu'n sparradh an eaglais Chriosd-

uidh eleachdaniian ludhach air a buill, agus- gu fortannach do dh' aobhar an t-soisgeil anns an t-saoghal, ghabh each a chomhairle- agus thug an eaglais saorsa do na creidmhich bho lagh nan ludhach. Chunnaic Pol gu soilleir nach biodh ann ach ath-phillefidh gu 'daorsa an lagha nan iarradh e air na cinnich laithean agus aimsirean a clioimhead,. agus uime sin, thuirt e riu, Seasaibh gu daingean anns an t-saorsa leis an do rinn Criosd saor sinn, agus na bithibh a ris air- bliur cuiblireachadh le cuing na daorsa. Thug e dhaibh, ann an ainm na h-eaglais, saorsa bho thimchioll-a-hearradh, ag-us thuer e dhaibh mar an ceudna saorsa o lagh na Sabaid. Am measg nan ludhach bha au t-Sabaid air a coimhead mar latha ro-naomh. Nan tug-adh duine ur'rani do'n Shabaid, chuireadh sin foluch aii; moran pheacauna- eile. Ann an aon fhacal, rinn na sgriobh- aichean iodlial do'n t-Sabaid, agus chuairtich iad i le uinead de riaghailtean 's gu'n d" fhas i 'na h-uallach do'n t'sluagli an aite- bhi 'na sochair dhaibh. Cha 'n e mhain gu'ii robh e peacach treabhadh is bualadh arbhair a dheanamh air la na Sabaid, ach a reir teagasg nan sgriobhaichean, cha 'n fhaodadk duine larach a dheanamh air an talaiah le chois no le bhata air eagal riaghailt an treabhaidh a bhriseadh, 's cha 'n fhaodadh e dias arbhair a shuathadh 'na bhois air eag-al 'riaghailt a' bhualaidh a bhriseadh. Cha robh maith do tliailleir snatliad a ghiulan na plioca, no do sgriobhaieh peana air la na Sabaid. An deigh aiseirigli Chriosd, an uair a chuireadh air chois an eaglais Chriosduidh, leig na li-abstoil 's na Creidmhich na seann nithean sin seachad, agus tha e coltach nach robh iad am beachd gu'n robW e mar fhiachaibh orra an t-Sabaid ludhach a choimhead. Cha 'n 'eil e fior a radh, ma ta, gu bheil daimh sam bith eadar Sabaid nan ludhach agus la an Tighearna a tha an eaglais Chriosduidh a' coimhead a nis, no gur h-e an aon ni a tha annta ach a mhain gu'n deachaidh an la atharrachadli 0 dheireadh gu toiseach na seachduinn. Cha 'n 'eil buintealas sam bith aca ri cheile, agus am measg nan seann nithean eile a chuir soisgeul Chriosd air cliul, cliuir e air

34

■chul an t-Sabaid. Stad na h-abstoil do bhi 'ga eoimhead, agus thug iad cead do na ceud ■clireidmhich stad mar an ceudna. Ach ma stad, chvur iad rud eile 'na h-ait-e. Bha e mar chleachdadli aoa, an toiseach, coinneach- ^dh chum aoradh a dheanamh comhla air ■co-ainm an la air an d' eirieh Criosd. Cha robh iad a' gleidheadh an latha uile,' naomh, ''s cha mho a bha iad a' stad d' an obair. Chruinnicheadh iad trath anns a' mhaduinn, -agus an uair a bha an aoradh seachad, rach- -adh iad air an ais gu 'n obair. Fad iomadh "bliadhna an deigh do la an Tighearna a bhi air a chur air chois air eon aoraidh, cha .r«bh e air a choimhead mar la fois, ach ri i-uine chunnaic an eaglais gu 'm biodh e buannachdail do bheatha spioradail a sluaigh nam biodh aon la anns an t-seachduinn air -a ghleidheadh saor is obair is nithean saogh- ■aAt'O, 's air a clioisrigeadh gu h-iomlan do nithean spioradail is fois cuirp. Cha robh e furasda so fhaotainn, oho fad 's a bha iomp- -airean air a' chrun aig nach robh suim do'n t-soisgeul, ach ri linn Chonstantine rinneadh lagh gu 'm biodh margaidhean is ciiirtean lagha air an dunadh air la an Tighearna, agus uidh ar n-uidh, chaidh stad a chur air gach seorsa oibre agus fois a thoirt do 'n t-sa«ghal Chriosduidh uile air a' cheud la -de'p t-seachduinn. Cha 'n e lagh Mhaois, ma ta, ar n-ughdarras air son la an Tighearn -a choimhead gu h-iomchmdh, ach an Eaglais -a chuir an Tighearn e fein air chois air thalamh agus d' an d' thug e tiodhlac an Spioraid Naoimh. Tha sinn a' creidsinn gu bheil an Spioraid Naomh a' comhnuidh anns An Eaglais chum a treorachadh, agus an uair A tha 'n eaglais choitchionn le aon ghuth ag ■earalachadh air a cloinn cleachdadh son- ruichte sam bith a leantuinn, tha sinn an <luil nach ruig iad a leas ughdarras a's airde iarraidh. Is e an eaglais, co-chomunn nam iior chreidmheach air feadh an t-saoghail ^u leir, agus saoilidli sinn nach bu ehor do -dhreidmheach sam bith a bheachd fein a -chur an aghaldh fiosrachadh na h -eaglais -choitchinn no cleachdadh sam bith d' an d' thug i a h-aonta a chur an suarachas.

Tha la an Tighearna 'na bheannachd do ■chorp 's do shlainte an duine cho cinnteach 's a tha e 'na bheannachd d'a anam. Tha feum aig duine is ainmhidh air fois. Cha 'n 'eil fceagamh nach 'eil moran dhaoine cho gionach, saoghalta agus, mar an ceudna, flho beag suim do dhiadhaidheachd 's nach leigeadh iad Jeotha fein no le 'n seirbhisich latha fois a ghabhail, mur b'e lagh na riogh- achd is gnaths nan creidmheach a tha ' timchioll orra. Is maith do na daoine sin

nach ruigear leo an toil a dheanamh, agus: gu'm feum iad an obair a chur as an laimh agus leigeil leis na daoine a tha f odhpa urram a thoirt do la an Tighearna, eo dhiu a bheir iad fein urram dha no nach toir. Ach cha ruig sinn a leas an corr a radh air an taobh sin de'n chuis. Thug sinn tarruing air a' ghnothuch chum facal an abstoil a^ chur an cuimhne ar luchd-leughaidh, agus earalachadh orra gun dearmad a dheanamh air aoradh follaiseach air la an Tighearna. Is ann air son aoradh Dhe a chaidh la art Tighearn a chur air chois an toiseach, agus saoilidh sinn nach h-urrainn fear aideach- aidh sam bith an la a chur seachd ann an doigh iomchuidh, mur toir e pairt dheth thairis do dh' aoradh, agus le h-aoradh tha sinn a' ciallachadh aoradh follaiseach tigh an Tighearna. Cha 'n e mhain gu bheil dearmad air tigh an Tighearna 'na dhroch cleachdadh am fianuis dhaoine, ach tha e 'na chomharra cinnteach air marbhantachd spioradail. Ged a tha iomadh cealgair a' dol do 'n eaglais da uair a h-uile Sabaid, agus iomadh duine maith nach teid innte idir, tha e, mar an ceudna, fior, an uair a sheallar air a' chuis ann an doigh fharsuing, gur h-e na daoine aig a bheil suim do Dhia 's d'a fhirinn a chithear anns an eaglais, agus gur h-e iadsan aig nach 'eil suim do nithean spioradail a dh' fhanas aisde. Cha chord e ri moran dhaoine so a radh, ach is firinn e. Cha 'n 'eil teagamh nach 'eil duine an sid 's an so a tha Ian de spiorad na diadhaidheachd, ged nach faicear bitheanta e ann an tigh aoraidh, ach cha 'n 'eil na daoine sin idir cho lionmlior 's a tha tar an dull. Cha b'aithne dhuinn riamh moj-an de dhaoine diadhaidh aig nach robh gradh do thigh an Thighearna, agus iarrtus air dol ann cho bitheanta 's a bhiodh coth- rom aca. Tha a' ehuid a's mo tha de na feadhainn a tha deanamh dearmaid air, a' deanamh sin a chionn nach d' fhuair iad riamh bias air nithean spioradail. Is iad so na daoine a their gu'n teid aca air aoradh a dheauamli aig an tigh cho mhaith 's a rachadh aca anns an eaglais, ach, mar is bitheanta, tha dearmad air aoradh follais- each is dearmad air aoradh teaghlaich is urnuigh uaigneach a' dol comhla. Bu mhaith leinn a chreidsinn gu 'm bi na cinn- theaghlaich nach faic sinn anns an eaglais ach uair 's an raidhe a' our seachad pairt de la an Tighearna ann an aoradh aig an tigh, no ann am beachd smuaineachadh air nithean spioradail, no ann an doigh eile a bhios buannachdail d'an anam, ach is mor ar n-eagal nach bi. Anns gach sgireachd

I

■& ^

J

35

""s an duthaich, tha moran de luchd coman- .achaidh nacli faieear an taobh a stig-h de'n ■eaglais ach coig no sia dJi' uairean 's a' l)liliad]iiia, g-ed a tha iad luatli laidir, 's •o-ed nach 'eil lethsg-eul aca air son dearmad a -dheanamh air tigh an Tighearna. Tha iad sin a' deanamh cron dhaibh fein is cron do 'dh' aobhar Chriosd.

Am measg- obair is buaireas an t-saoghail "tha e f urasda eadhoin do dhaoine aig" a bheil inntinn spioradail gu nadnrra, nithean vspioradail a dhi-chuimhneachadh, agus tha ;sith is samohair tigh an Tighearna "na >chuideachaclh dhaibh an smuaint/ean a thog- -ail suas os cionn an t-saoghail fhaicsinnich. "Ged nach biodh aon fhaeal air a labhairt, bliiodh e maith do dhaoine suidhe car greis •-ann an eaglais, agus leigeil le samchair .naomh na Sabaid drughadh air an anam. 'Ged nach biodh e f urasda dhuinn a radh <3iod a' bhuannachd a bha dhuinn ann am facal air bitli a chuala sinn riamh anns an eaglais, tha e lior, mar an ceudna, gu bhcil ar smiiaintean lion beag is beag, agus ma dh' fhaoite gun fios duinn fein, air an tionndadh air rathad sonruichte, agus iarrt- usan air an dusgadh annainn air beannachd- au spioradail nach duisgeadh idir mur b'e «eirbhisean na h-eaglais. Tha e fior jnach 'eil lathaireachd Dhe air a ceangal ri aite seach aite, ach tha gealladh sonruichte ann a dh' fhaodas sinn a thagar an uair a chruinnieheas -•sinn ann an tigh na h-urnuigh, "Far a bheil dithis no triuir air an cruinneachadh an •ceann a elieile ann am ainm-sa, tha miso -an sin, 'nam meadlion." Is e orduighean na h-eaglais na meadhonan o 'n leth a muigh, leis a bheil Criosd a' comhphart- ^chadli ruinn soohairean an t-soisgeil, agus tha iadsan a ni dearmad air na meadhonan sin a diultadh, ann an tomhas, gras Dhe.

Tha an luchd aideaehaidh a ni dearmad .ail' dol do 'n eaglais a deanamh cron •do aobhar Ohriosd. Tha iad a' gabh- ail taobh an t-saoghail an aghaidh na h-eaglais, ' agus a' cur a h-ainm 's a h-obair an suarachas. Mar is teisteile 's is stuama ■B, bhios iad, is moid an cron a tha an eis- ■«impleir a' deanamh do dhaoine eile, oir tha an saoghal ullamh gu bhi saoilsinn nach 'eil cron sam bith ann am fasan ma tha daoine coir 'ga leantuinn. Clia 'n 'eil ni •eile a's cinntiche no gu'm basaicheadh an creidimh Criosduidh ann an nine glioirid, nan rachadh tighean aoraidh a dhunadh, ^ agus ged nach biodh feum aige fein idir -air an urachadE spioraid a gheibh e anns an eaglais air la an Tighearna, bu choir do ^huine dol innte, chum fianuis a thogail as

leth na h-obair a tha i a' deanamh agus chum aobhar Chriosd air thalamh a neart- achadh.

Tha e 'na chulaidh bhroin gu bheil la an Tighearna air a mhi-chaitheamh 's air a mhi-naomachadh mar tha. e anns an la an diugh leis na creidmhieh cho mhaith ri daoine ain-diadhaidh. Cha 'n 'eil e iong- antach gn'u cuireadh iadsan aig nach 'eil suim do Dhia no d'a fhaeal seachad an latha naomh ann am faoineis is leisg is baoth-shugradh. Ach ciod a theirear ris an luchd comanachaidh a chuireas seachad e anns a' cheart doigh? Ciod ach gu bheil iad peo-dhileas d'an aidmheil 's gu bheil iad a' cur gras is toil Dhe an suarachas. Ma ni ceann-teaghlaieh dearmad air tigh an Tighearna, 's ma chuireas e.sleachad an latha naomh gun iomradh air urnuigh, no moladh, no facal Dhe, cha ruig e leas ioghnadh a bhi air ma thionndas a chlann air falbh o'n chreidimh air an do rinn esan magadh, agus ma blieir iad eas-urram do Dhia an athraichean. Ma thachras sin, cha bhi esan gun chionta .

Dh' iarramaid, ma ta, leis gach uile dhurachd, oirbhse uile aig a bheil meas air tiodhlac Dhe oidhirp laidir a dheanamh, le 'r facal agus gu sonruichte le 'r n-eiseim- pleir, la an Tighearna a chaitheamh gu foisneachail agus ann an doigh iomchuidh, agus dol do thigh na h-urnuigh chum Dia a mholadh agus a bheannachd iarraidh. Cha soirbhich aobhar Chriosd am feasd anns an duthaich giis am bi la an Tighearna air a naomhachadh mar is coir, agus an abair na creidmhieh uile

Blin aoibhneas orm, truth thubhairt iad,

Gu tigh Dhe, theid sinn suas.

RACNULL MOR A' CHROLEIN.

Tha e air a radh gu 'n d' thuirt rigli Seoras, iomadh bliadhna an deigh Chuil- fhodair, gu 'm b\i mhaith leis sealladh fhaicinn air cuid de na daoine a bha maeh leis a' Phrionnsa. Cha robh moran dhiubh a lathair aig an am, ach am measg na feadhnacli a thugadh air beulaobh an Righ, bha Rao null Mor a' Chrolein, seann ghaisg- each eolgarra a Cnoideart. Chaidh an Righ an ceann seanchais ris, agus thuirt e ris nach robh teagamh aige nach robh aith- reachas air 'na sheann aois airson gnothuch a ghabhail ris na reubalaieh, agus a chluidheamh a tharruing^ as leth Thearlaich. "Aithreachas," ai'sa Raonull, agus 'aghaidh a' lasadh, cha 'n 'eil dad de 'n t-seorsa orm.

36

Ghabh an rigli athadli, car greis, agus cka d' thiiirt e 'n corr, ach cliaidh EaonuU air aghaidli, " An rud a rinn mi airson a' Phrionnsa an la ud, dheanainn a' clieart cho toileach airson 'ur Moraclid nan robli sibli 'na aite." Chiiir so saod air an Rigii, agus dhealaioli e fein 's an seann saighdear ann an si til.

Bha Raounll Mor 'ua dliuine car iom-

raiteacb. 'na latlia, ged nach b'e an t-iomradh

a b' fliearr a bha air, am measg cliairdean

is choimheacli. Bha e daonnan ann an

iorghuill air chor-eigin, agus bha tuasaid

clio coiugeis leis ri sith. Clia robh srian

aige air a theanga no air a dhrocli nadtu-,

agus air do fhacail tighinn eadar e fein

is feai' d'a clioimhearsnaicli, tharruing e a

clilaidheamh agus ghearr e dheth an ceann.

Ged a thoill e a ehrochadh, cha do rinn-

eadh air ach a chur a mach as an duthaich

gun cead tigh'nu air ais. Chuireadli air bord

e, comhla ri eucoraich eile, ann an soitheach

a bha dol do na Barbados, ach mar bha

am fortan fabharach dha, thug long-chog-

aidh Fhrangach ionnsuidh orra air an

t-slio-he, ao'vis fliuair e a chas ma reir. Bha

an soitheach Frangaela na bu mhotha 's na

bu luaithe, agus an deigh dhi droch ghiull-

achd a thoirt do'n t-soitheach Bhreatunnach,

dh' fheuch an sgiobair Fraugach ri dhaoine

chur air bord chum an namhaid a ghlacadh.

An uair a thoisich na Frangaieh air streap

suas ri cliathach an t-soithioh Bhreatunnaich,

dh' innseadh do 'n sgiobair gu 'n robh na

priosanaich a bh' anns an toll a' cur nam

both dhiubh, ag iarraidh a mach los deannal

a thuirt air na Frangaieh. B'e guth Raou-

luU Mhoir guth a b' airde, a' glaodhach,

as uchd mhaitheas, esan a leigeil a dh'

ionnsuidh nam Frangaeh. Cha robh fios aig

an sgiobair ciod a dheanadh e. Bha eagal

air, nan leigeadh e ua priosanaich ma reir,

gu 'm faodadh iad tionndadli air a sgiobadh,

agus an soitheach fhaotainn fodhpa fein.

Ach, air an laimh eile, bha na Frangaieh

n' bruchdadh a steach air agus an impis a

mhilleadh. Dh' iarr e na toill fhosgladh

agus na seoid a leigeil a mach. Cha bu

cheum air ghaig leo dol an earamh nam

Frang'ach, is RaonuU Mor air an ceajiu.

Fhuair e sgonn mor iaruinn, agus le ran

eag-allach, leum e am measg nam Frangaeh,

's cha robh fear a bhuaileadh e nach leag-

adh 0, 's bha a bhuillean cho trom "s a

chorruich cho gabhaidh 's gu'n do leum

feadhainn de na Frangaieh an eoinneamli

an cinn do "n chuan seach feitheamh ris

an t-slachdan iaruinn. Bheothaich so mis-

neaeh chaicli, 's chuir e tilleadh anus na

Frangaieh, 's theich iad aii' bord d' an luing- fein. Ach ged a theich, lean iad air losgadh air an te eile, agus an uair a thainig an. oidhche gliabli an sgiobair Breatunnach fath air an dorchadas is rinn e air tir. Chord gaisgeileachd Raonuill ris cho maith 's gu'n d' iarr e air Comliairle an righ fathamas- a thoirt dha, agus a leigeil ma reir. Is e- so a rinneadh. Thill Raonull air ais ann an soitheach eile agus chuireadh air tir e- anus an eilein Sgiathanach. Rinn e lonr is direach air Cnoideart, agus an uair a. nochd se e fein am measg a cliairdean, gun fios, gun fiuthair ris, shaoil iad gu 'm bu thamliasg a bha ami, agus bha feadhainn dhiubh leis am bu cho maith am mac-mall - aclid fhaiciun ris. Ach bha Raonull fein cho sunndach 's ged a b' ann air thurus- cliuteach a dh' fliag e a dhuthaich, ged nach bu nihaith do neacli sam bith iomradh a thoirt air na Barbados. An uair a dh' eirich na finneachan Gaidhealach air taohli a' Phrionnsa ann an 1743, b'e Raonull fear do na ceud dhaoine a bha am broilleach na cuideachd, agus cha do dhealaich e ris- a' Phrionnsa gus an do sgapadh an t-arni. air Cuil-fhodair. An deireadh a laithean bha baile fearainn aig-e, ach b' abhaist dha a radh nach robh anns an tuathanachd ach, obair dhona lamh ris an tapaid, agus gu'm. bu chaomh leis Sasunnaich a loniadh seach caoraich. Ged nach d' thug e riamh nioran eothroim d'a bhodhig, fhuair e saoghal fada agus bha e os cionn ceithir fichead an uair- a shiubhail e. Gus a' mliionaid niu dheir- eadh cha robh iomradh aige air a' bhus,. agus b'e am Prionnsa a b' aoii cheol is- seanaclias dha.

LAOIDH.

Thriath, le d' bheannachd cuir fa sgaoil sinn,, ■•;

Lion ar cri le gean is sith: Biodli do ghradh-.sa aig gacli aon diuii,

'S uaill a d' ghras ni sinn gun dith; 1

Uraich fhein sinn, j

Ail ar slighe troimh 'n t-saogh'l. ,j

Gloir is nioladh blieir sinn dhuit-sa Air son fuaim an t-soisgeil aigh;

Gu 'n robh toradh pailt do shlainte

Ann ar cri 's 'nar beatha glinath; .. ^

Is do laithreachd, i

Bitheadh leinn^a nis 's ffu brath. ;; i

1

4

Air. 10.

1910.

MAC AN SGRIOS.

Cha do chailleadh a h-aon dhiibh, ach mac an sgrios. Eoin xvii. 12.

Ann an Gniomharan nan Abstol tha Lucas ag- innseadli aon de na naigheachdan a bha oumanta am beul an t-sluaigh mu blias ludais. Cha 'n 'eil an naigheachd sin a' cordadh ris na tha an soisgeulaiche Mata ag innseadh. Tha esan ag radh gu 'n do ghabh ludas aithreachas de 'n ghniomh oill- tei] a rinn e ag-us gu 'n do chroch se e fein. Ach cha 'n 'eil Lucas a' toirt iomraidh air aithreachas. Tha e 'g radh gu 'n do cheannaich ludas crioman fearainn le duais na h-eucorach, agus air dha tuiteam sios air 'aghaidh, again e agus bhruchd a mhionach a mach. Gniomh. i. 18. Bha e air a shean- chas am measg an t-sluaigh nach robh sith no fois aig ludas an deigh na ceilge a rinn e, agus gu 'n do bhuaileadh e le galair uamhasaeh, air chor agus gu 'n robh a bheatha 'na h-uallach dha. Dh' at a chol- unn cho dumhail 's nach b' urrainn dha gluasad, agus dh' fhosgail creuchdan innte as an robh aileadh sgreamhail. Cha b' urr- ainn do dhuine dol seachad air an aite anns an robh e air a thiodlaeadh gun a bhi air a thacadh leis a' bholadh bhreun a bha 'g eiridh o 'uaigh. Cha ruigear a leas na naigheachdan sin a bha air an aithris am beul an t-.sluaigh a ghabhail mar fhirin'i, ach tha iad a' leigeil fhaicinn dhuinn an t-uamhas a chuir gniomh ludais air daoine oneasda. Bha iad an dull nach g-abhadh e bhith nach tigeadh e gu deireadh eagall- aeh air chor-eigin. Gus an latha diugh tha miltean de dhaoine aig a bheil grain air ludas nach 'eil aca air Satan fein, agus their iad gu bheil e air a sheachnadh le each eadhoin anu an if rinn.

Cha 'n 'eil e furasd a radh ciod a thug air ludas an rud a rinn, e a 'dheanamh, agus tionndadh ami an aon mhionaid blio chom- unn nan abstol gu obair an dorchadais. Tha e coltach nach do leag each amharus sam bith air, roimh laimh, agus dh' earb iad ris am beagan airgid a bhuineadh dhaibh. Bha e inaille riu anns an t-seomar uachdrach aig a' chuirm naoimh, aeh gun rabhadh a thoirt

dhaibh ciod a bha 'na bheachd, chaidh e mach agus bhrath e a Mhaighstir agus a chompanaich do na sagairtean. Thuirt e riu gu'n tugadh e pog do losa agus gu 'n aithnicheadh iad leis a' chomharra sin am fear a bha iad ag iarraidh. Chum e ri fhacal, ,aeh beagan nine an deigh dha an gniomh cealgach a dheanamli, ghabh e aith- reachas, thainig e air ais a dh' ionnsuidh nan sagairtean, agus thilg e na buinn airgid a thug iad dha aig an casan, ag radh gu 'n do bhrath e neach a bha neo-cliiontach. An deigh dha sin a dheanamh, chaidh a mach agus chroch se e fein. Tha cridhe mhic an duine duilich a thomhas daonnan, ach tha diomhaireachd cridlie ludais os ciouB ar tuigse no ar fiosrachaidh. Ciod a thug air a chul a thionndadh ri losa gun rabhadh, no ciod a thug air pog a thoirt dha, 'nuair a dh' fhaodadh e iomadh comh- arra eile a thoirt do na sagairtean nach biodh cho dalma no cho olc is iad sin- eeistean nach urrainn do neach eile a fhreag- airt ach dha-san d' an leir ruintean diomh- air a' chridhe.

Tha cuid an dull gu 'n robh ludas as a rian. Tha iad am beachd gur h-e sin a tha air a chiallachadh leis na briathran "Chaidh Satan ann an ludas." Ach cha 'n 'eil an Tiomnadh Nuadh a' toirt gnuis de 'n bheachd sin. Cha 'n 'eil dearbhadh sam bith gu 'm faea na h-abstoil eile coltas cuthaich air, agus cha mho a tha na briathran a labhair e an deigh laimhe coltach ri cainnt neach a bhiodh as a rian. Cha 'n 'eil dearbhadh sam bith aig na feadhainn a tha creidsinn gu'n deachaidh e gu h-obann as a^ bheachd, ach gu 'n do rinn e gniomh tamailteach, agus gu 'n do chuir e lamh 'na bheatha fein. Ach is suaracli an dearbh- adh sin. Is lionmhor iad a rinn gniomh naraeh ged a bha an inntinn cho suidhichte ri inntinn Siorraim aig an am, agus cha ruigeai- a leas a chreidsinn gu bheil iadsan uilo a chuireas lamh 'nam beatha air a' chuthach. Thatar toileach am bithea,ntas a chreidsinn gu 'n robh troimh cheile air chor- eigiji annta, los sgeimh boidheach a chur air a' chuis, aeh cha/n 'eil sin daonnan fior. Tha cuid eile 'g radh nach robh olc sam

38

bith am beachd luclais an uair a blirath e a Mhaiglistir. Their iaci gur h-e a blia anns an amharc aige cabliag a chuir lair losa, agus rioghaclid Dhe a chiir air chois gu luath. A reir na barail so, clia do cliaill ludas creidimh ann an losa mar am Messiah, ach smuainich e nam bio'dh e air a liubhairt thairis do dh' uachdranachda an t-saoghail gu 'm feumadh e a chumhachd a nochdadh agus saorsa chosnadh dha fein 's d'a ehaird- ean, le aon bhuille. Bha e a' gabhail fadachd nach robh am Messiah 'ga nochdadh fein, agus a' cur an ceill a chumhachd, agus gun a chomhairle a chur ri losa no r'a chairdean, ghabh e an doigh ud air cabhag a chur air. Tha iad a' cumail a maeh nach robh ceilg no olc sam bith 'na chridhe, agus gur h-ann airson na codach a b' fliearr a rinn e na rinn e. Cha do thuig e gu ro mhaith cho cunnartach 's a bha 'n rud a rinn e, agus an uair a chunnaic e 'gu 'n robh e gu neo-chiontach 'na aobhar air bas losa, bha bhron cho trom 's nach b' urrainn e a ghiulan agus chroch se e fein. Cha 'n 'eil dreach na firinn air a' bheachd so, 's cha mho a tha an Tiomnadh Nuadh ^a' toirt gnuis dha. Tha e dol calg-dhireach an aghaidh teagasg an t-Slanuigheir. Oha labhradh esan "briathran clio cruaidh 's a labhair e mu ludas, mur biodh fios aige ga 'n robh olc 'na bheachd. Thuirt e gu 'n do thog e a lamh 'na aghaidh, thuirt e gu 'm bu mhaith dha nach do rugadh riamh e, agus gu 'm bu mhae an sgrios e.

Is e ludas fein an a on duine a b' urrainn innseadh carson a bhrath e losa, ach ma dh' fheuch e ri e fein fhireanachadh, cha 'n 'eil fios an diugli ciod a thubhairt e. Ach faodar sealltuinn air 'eachdraidh feuch an tuig sinn ciod an seorsa duine a bha ann, no ciod am peacadh a bha, aig amannan eile, gu furasd ag iathadh uime. Tha na athraichean uile am beachd gu 'm bu duine sanntach e, agus tha an t-abstol Eoin a, cur as a leth nach robh e onoracli agus gu 'm b' abhaist dha a bhi ag goid as an sporan a dh' earbadh ris. Cha 'n 'eil teag- amh nach robh e sanntach. Is e an sannt a thug air deich buinu fhichead a ghabhail bho na sagairtean. Nam b' ann air a' chuth- ach a bha e, no nam b' ann airson cabhag a chur air losa a bha e, dh' fhaodadh e an rud a rinn e a dheanamh gun airgiod iarraidh. Ach rinn e cumluia.nta riu an toiseach, a chionn gu 'n robh freumh an uilc ann gaol an airgid. Faodaidh gu 'n robh aobharan eile 'ga bhrosnuehadh air aghaidh aig a' eheart am, agus gu 'n robh iomadh faireachduinn 'na chridhe a' comh-

oibreaohadh maille ri cheile ag iarraidh air losa a bhrath, ach am measg nan aobharan sin bha sannt. Ged nach urrainnear a radh le cinnt, faodaidh gur h-a.nn air sgath nith- ean an t-saoghail a ta lathair a lean e losa an toiseach, agus nach ann air sgath buannachd spioradail. Coltach ris a' mhor thuideachd de na h-Iudhaich bha e an duil gu 'n tigeadh am Messiah mar neach cumh- achdach, agus an deigh dha saorsa a chos- nadh d'a shluagh, gu 'n tugadh e duaisean mora dhaiblisan a sheas air a thaobh. Bha e am beachd, an uair a shuidheadh e air righ chaithir Israel, gu 'n ardaicheadh e a chairdean mar an ceudna. Ach bha na laithean a' dol seachad 's cha robh iomradh air uachdranachd no duals, agus mu dheir- eadh cliaill ludas a dhochas agus bhuail amharus e nach b' fhearr seirbhis losa no seirbhis neach eile, agus nach robh nithean an t-saoghail so co dhiu ri 'm faotainn uaith. Bha e fas sgith de ghnothuch anns nach robh buannachd, bha e fas sgith cuid- eachd de na h-abstoil eile. Bha amharus aige nach bu toigh leo e, agus cha bu toigh leis iad. Cho fad 's a bha fiuthair aige gu 'n robh duals mhor a' f eitheamh orra uile, bha e eudmhor gu leor anns an obair a dh' ionnsuidh an do ghairmeadh iad, agus cha 'n 'eil teagamh nach robh e car onorach anns an aidmheil a rinn e. Ach mar bha an nine a' dol seachad 's nach robh an duals a tighinn, shiolaidh eud ludais 's thoisich e air a thuigsiun nach robh gaol mor sam bith aige air comunn no seanclias chaich. Chitheadh iadsan so, agus bheireadli iad air a thuigsinn, an iomadh doigh, gu 'n robh amharus aca nach robh e ach meagh bhlath anns na nithean a bhuineadh do rioghachd Dhe. Chruadhaich cridhe ludais uigh ar n-uigh; an aghaidh losa, air son dochas a thogail 'na cliridhe nach robh e ag coimhlionadh; agus an aghaidh nan ab- stoil eile airson an fhuachd 's an amharuis a bha e a' leughadh 'nan aodann. Bha e aonaranach 'nam measg, a' sior thuiteam air falbh uapa agus a' cruadhachadh a chridhe 'nan aghaidh gus mu dheireadh an do rinn e suas inntinn gun gnothuch a bhi aige riu tuilleadh. Chaidh e dh' ionnsuidh nan sagairtean agus thuirt e riu Tha sibh ag iarraidh cothrom los.i a glilacadh 's a chomunn a sgaoileadh, ciod a bheir sibh dhomh-sa ma liubhras mi dhuibh e? Dh" fhag ludas na sagairtean ag radh ris fein, Is beag deich buinn fhichead airgid ach is e sin na tha agam an diugh airson mo slisothrach fad da bhliadhna. Fhuair e bristeadh duil ann an losa, agus eadar sin

..J

i-'

39

agus gaol an airgid agus gamhlas do chiiid de na h-abstoil eile, chaidli e Diacli agus rinn e ar, gniomh oillteil a cliumas 'ainra air chuimliue gu brath. Cliuir na miltean o 'n latha sin gus an diugli a' cheart ghniomh an ceill, agus tha iad cho ciontach ris-san, ged a tharruing esan aire an t-saoghail tliuige a cliionn gu 'n do rinn e an eucoir an agliaidh neacli aig a bheil ainm os cionn gacli ainm.

Ma tha e duilich a thuigsinn carson a bhratli ludas an Slanuigliear, cha 'n 'eil e ni 's usa a tliuigsinn carson a thagli an Slanuighear esan gu bhi 'na A.bstol. Am b' aithne do losa an seorsa duine a blia aun m' an do thagli se e ? Tha f acal no dha anns an Tiomnadh Nuadh a tha 'g radh gu 'm b' aithne, agus dh' innis e do na h- abstoil, roimli laimh, gu 'm brathadh fear dhiubh e. An do thagh e ludas, mata, le comhairle shuidliichte, chum gu 'n deanadh e an gniomh olc so? Cha ghabli sin creid- sinn, ach ged nach urrainn sinn a' bheag a radh air cuspair cho dorcha so, no inntinn Dhe anns a' chuis a thomhas, faodar da ni CO dhiu a chur sios mar fhirinn nach do thagh losa an deisciobul so chum buaireadh a chur 'na charamh, agus nach robh ceilg sam bith am beaehd ludais an uair a thois- ich e air losa a leantuinn. Ach ciod a theirear ri briathran an abstoil Eoin B' aithne do losa o thus co an ti a hhrath- adh e, agus, nach do thagh mi sibh agus tha fear agaibh 'na dhiabhul.

'Nuair a fhreagair ludas a ghairm p, fhuair e o losa, cha robh fios sam bith aige fein ciod a bha air thoiseach air, 's cha mho a bha amharus aig a chompanaich nach robh e freagarrach air son na minis- treileachd. Bha e a' cheart cho gealltanach ri aon eile am measg nan abstol, ach leig e dheth a bhi furachail agus cha do ghleidh e gu curamach an ni a fhuair e. Bha e coltach ri iomadh ueach eile a fhuair gairm Dhe ann an laithean oige, agus a thoisich air obair na rioghachd gu li-eud- mlior agus gu dileas, ach dh' fhas drisean an t-saoghail suas 'na cliridhe agus thachd iad a bheatha spioradail. Bhuineadh ludas do 'n t-seorsa dhaoine do nach 'eil e gu nadurra furasda an saoghal uile a threig- sian air sgath Chriosd, an seorsa aig a bheil aon chas daonnan a Stigh anns an rioghachd agus a' chas eile a muigh. Dh' fheuch e ri seirbhis a dheanamh do dha mhaighstir, agus chaill e anam anns p,n oidhirp. Chuireadh e crith ann am feoil ludais nan innseadh duine dha aig tus a thoiseachaidh gu 'u robh an latha a tighinn

anns an reiceadh e a Mhaighstir airson deich buinn fhichead, ach cho do ghleidli e a chridhe gu curamach agus thaiuig an latha anns an do bhrosnuich sannt is fuath is (gamhlas e gu Mac an duine a thoirt thairis do lamhan a naimhdean.

Pheacaich e an aghaidh an t-soluis. Fo bhuaidh teagasg is companas Chriosd dh' abuich naomhachd ann an cridhe Pheadair is Eoin. Dh' eirich iad suas gu neamh. Fhuair ludas an cothrom ceudna agus thuit e sios do 'n t-slochd. An aite naomlilachd, dh" abuich searbhadas is fuaclid is farmad is guin 'na chridhe. Dh' iarr faidhean is naoimh an t-seanu chumhnanta na nithean a chunnaic ludas fhaicinn agus cha 'n fhac- ar leo iad. Ach ged a chunnaic a shuilean- sa an solus o neamh, ghradhaich e an dorch- adas agus rinn e gniomharan an dorcliadais. Sheas e aig geata neimh ach thionndaidh e air falbh agus chaidh e d'a ionad fein. Ged nach d' thug esan rabhadli do Chriosd thug Criosd rabhadh dhasan. Chunnaic p an cunnart anns an robh e, b' aithne dha an t-olc air an robh e a' cnuasachadh, agus thug e rabhadh dha ann am briathran nach tuigeadh each ach a dh' fhaodadh ludas fein a thuigsinn. Ach chruadhaich ludas a chridhe agus cha 'n eisdeadli e. An sin leig an Slanuigheir leis, agus chaidh mac an sgrios d'a aite fein.

AM FOGHAR. Ann an cuid de sgireachdan, tha e 'na clileachdadh latha buidheachais a choimhead aig deireadh an Fhoghair. Bu mhaith nam biodh a' leithid sin de latha, air a choimhead leis gach eoimhthional 'san eaglais. Tlia e iomchuidli gu'm biodh cothrom air a thoirt do'n t-sluagh, pairt a gliabhail ann an seir- bhis bhuidheachais airson an fhoghair, co- dliiu a ghabhas sin deanamli air Sabaid no latha seacliduinn. Tha e freagarrach gu'm moladh daoine Dia airson cinneas na talmh- ainn, cho mhaith 'sa mholas iad E, airson throcairean eile. Tha Esan a' riaghladh anns an t-saoghal nadurra mar anns an t-saoghal spioradail, 's chithear a cliiunhachd 's a mhaitheas air an achadh-bhuana mar a chithear iad 'san teampull. 'Nuair a chois- ich an Salmadair thairis air achaidhean ludah, 0 chionn corr is da mhile bliadhna, 's a chunnaic e iad air an comhdachadli le pailteas Dhe, sheinn e 'n t-oran

An talamh tha tha thu fiosraehagh,

'S 'ga uisgeaohadh gu reidh ,

Le abhainn Dlie ta l^n do'n uisg'

Trom beartach ni thu e.

Dhoibh ai'bhar tha thu deasachadh,

Le d' fhreasdal caomha fein ;

40

'S ag uisgeaohd le pailteas mor Nan iomairean gu min Mu'n bhliadhiia ooroii tha thn our, Le d' mhaitheas feiu, a Dhe, Tha saill a' sileadh amis gach ait, 0 d' eheumannaibh gu reidh.

Is e Dia a bheir fas is toradh. Tha maitheas Dhe mar gu 'm biodh abhainn mhor a' ruith troimh 'n t-saoghal, aeh tha 'n abhainn a' ruith cho cinnteach 's nach 'eil siun a' gabhail suim diii. Ged tha 'n fhuaim 'nar cluasan, cha chluinu sinn i, 's ged tha i 'dol seachad air ar dorsan, cha 'n fhaic siun i. Tha earraeh is foghar, samhradh is geamhradh, fuachd is teas, grian is gaoth, a' tighinn cho cinnteach 'nan am fein, 's ag oibreachadh toil an Uile-chumhachdaich cho seimh, reidh, ordail, 's nach 'eil iad a' cur ioghnadh sam bith oirnn. Tha sinn a' tuit-

eam 'nar cadal air chor 's nach leir dhuinn an lamh threun, 's an inntinn ghlic, 's an cridhe gradhach a tha air chul laghannan Naduir. Tha feum agaiun uile air an ur- nuigh a radh gach latha Fosgail mo shuil- ean chum 's gum faic mi do ghloir. Tha Dia anns an t-saoghal an diugli mar a bha e ann an laithean an t-Salmadair. Cha d' fhag Esan an saoghal 'n uair a shiubhail Maois. Tha e fhathast a' marcachd air sgiathaibh na gaoithe, 's nan robh claist- eachd againne, chluinneamaid fuaim 'im- eachd. Is e Esan a tha 'deanamh an t - saoghail maiseach, ,s a' crunadh na bliadhna le pailteas. 0 gach achadh buana ann an am an Fhog-hair tha 'n aaith a tig-h- inn 'gar n-ionnsuidh Feuch tha mise mai.Ue ruibh. Tha gach dias a chromas a ceann le oudthrom a toraidh ag innseadh dhuinn nach do dhichuimhnieh ar n-Athair air neamli a ohlann a tha air an talamh. Tha Fhaeal-san cinnteach, 's cha teid E 'n cois a gheallaidh.

Tha am Foghar a' teagasg iomadh leasan dhuinn, ach tha e gu sonruichta ag gairm oirnn an Tighearn a mholadh. Tha sinn uile deas gu bhi gearan, 's ma's fior na theirear, cha 'n 'eil daoine air thalamh cho gearanach ris na tuathanaich. Is iomadli uair a chuala sinn o'n thaiiiig a' bhliadhna, nach robh ri bhi ann ach foghar bochd, 's nach biodh biadh ri fhaotainn do dhuine no do bheathach. Ach nam biodh faighidinn aig daoine, chitheadh iad gu'n tig gach ni

'na am fhein. Ciod a's fhiach ar creidimh ma bheir fras luchair air falbh e. Cha do chuir an g-earan cruach a bharrachd riamh 'san iodhlainn. 'Nuair a bhios an t-eu-

dochas a' faotainn lamh an uachdar oirnn, cuimhnicheamaid ciod a thuirt aon de na faidhean.

Chaoidh ged nach toil- crann fige blath, 'S nach fas air fion-chrann meas Saoth'r a' ohroinu-olaidh ged a threig, 'S fas deis gun bhi air slios. Gach treud o'n mhainnir ged a bhuall Grad fhuathas 'auair nach saoil: Greigh ged nach d' fhag an t-Earrach eruaidh No bo air uachdar raoin. Gidheadh 'san Triath bidh mise ait, Is ni mi uaill 'na ghradh Mor aoibhneas ni mi ann am Dhia Se Dia mo shlaint' gu brath.

A dh' aindeoin ciod a their daoine, is e an inntinn 's an spiorad sin a bheir buaidh air an t-saoghal. Cha 'n 'eil an gearan maith, ach ni spiorad na taingealachd beatha duine maiseach, 's ni e ohridhe 's a cheum aotrum. Ann an aon de sgriobhaich- ean nan Rabbis ludhach, tha e air a radh, gJi bheil da sheorsa ainglean ann aingiean airson seirbhis, 's ainglean airson molaidh. Tha na Rabbis fhein ag radh gur h-e na h-ainglean molaidh a's airde, 's nach 'eil e air a cheadachadh dhaibh Dia a mholadh da uair. 'Nuair a tliogas an t-aing-eal p, guth ann an laoidh molaidh, 's a sheinneas i cliu an Ti a's airde, tha i a' criochnachadh a beatha, tha i a' sioladh a mach a bith oir rainig i iomlanachd, 's choimhlion i run Dhe a bh' aige 's an amharc 'nuair a thug e dhith beatha. Cha 'n 'eil ann ach aon de sgeulachdan faoin nan seanairean, ach tha chriomag so de 'n fhirinn ann gu bheil duine 'g eiridh gu iomlanachd beatha, 'nuair tha 'chridhe air a' lionadh le spiorad a' mholaidh. Bhiodli am Foghar na tehacraniaid dhuinn uile, nan duisgeadh e annain taing- ealachd, 's nan tugadh e oirnn seinn o 'n chridhe

0 m' anam beannaieli fein a nis lehobhah mor do Dhia, Na dichuimnich na tiodhlacan A dheonuich dhuit an Triatli.

Ann an seirbhis bhuidheaehais an fhoghair bu choir dhuinn na bochdan a chuimh- neachadh. Cha 'n 'eil doigh eile anns an fhearr a's urrainn dhuinn ar taingealachd a nochdadh. Tha 'n doigh sin taitneach do Dhia. Bhiodh e gle uarach, nam biodh ar cridheachan cruaidJi, 'nuair tha ar saibhlean Ian. Cha toigh le Dia an siDiocaireachd. Cha d' thainig duine riamh gu bochdainn, le bhi cuideachadh nam bochd. Is toigh le Dia cridhe farsuinn agus lamh fhialaidh. Ged a dh' fhaodas gu leor de theachd an tir a bhi againne, tha na miltean air a bheil an t-acras. 'Nuair a stadas na Criosduidh- ean do bhi caoimhneil ris na bochdan, caillidh an diadhaidheachd a maise. Cuimh- nicheamaid trocair 's bitheamaid baigheil.

1

1 i

■a

I

Air 11.

1910

BAISTEADH lOSA.

Bhaisteadh e le h-Eoin ami an lor dan. Marc I. 9.

Is e an obair a rinn Eoin a' Bhaistidh a' clieud ni a tha Marc ag- ainmeachadh anus an t-soisg-eul a sg-riobh e. Cha 'n 'eil e furasda meud no liiach na h-oibre sin a thomhas, oir as eugmhais an treabhaidh a rinn Eoin, bhiodli an talamh amis an do cliiiir losa siol na rioghaclid na bu chruaidhe no bha e. Aig an am ud bha an duthaieh uile 'na hiidlie ann am marbhantachd spior- adail, bha an sluagli is aodhairean an t-sluaig-li socruiclite air an deasgainibh, agus cha robh am fuigheall a bha feitheamh ri solas Israeil ach beag. Ach chuir Dia ann an cridhe Eoin a ghuth a thogail agus an slnag-h a ghairm gu aithreachas, agus sheul- aieh e a shearmonachadh le cumhachd an spioraid naoimh air chor agus gu'n d'eisd tir ludea uile ris agus gu'n deachaidh fnaim na h-obair bheannaichte a bha dol air a h-aghaidh aig lordan a mach o cheann gu ceann de'n duthaieh. Chualas eadhoin ann an Galile mu'n diisg-adh mhor ud agus thog moran orra gu lordan, cuid dhiubh, a chionn gu'ni bu mhaith leo fhaicinn le'n suilean na nithean iongantach a chaidh innseaclh dhaibh, agus cuid eile, a chionn gu'n robh spiorad an Tighearn a' stri riu agus gu 'n robh ionndrainn bheo air Dia air a dhus- gadh 'nan cridhe. Am measg na feadhnach a dli' fhalbh a Galile bha buidheann de ghillean oga, agus am measg nan gillean oga sin bha losa, an neach d'an robh Eoin a' toirt fianuis do 'n t-sluagh, ged nach robh flos aige fein air aig an am. Cha 'n 'eil na soisgeulaichean ag innseadh ciod a thachair an uair a rainig losa lo.rdan, no ciod an comhradh a bha eadar e fein is Eoin. Tha iad samhach mu iomadh rud air am bu mhaith leinn fios a bhi agaiun.

Mur biodh againn ach an soisgeul a reir an abstoil Eoin theireamaid nach faca am Baisteach eadar dhealachadh sam bith eadar lo.sa agus na feadhainn eile a thum e anns an uisge gus an do thuirling an Spiorad naomh air mar choluman. Ged nach eil e 'ga radii air a cheann, faodar a thuig«inn gu 'n robh an t-abstol Eoin an dull nach do thuig am Baisteach co a bha aige gus am facas an air a cheann, faodar a thuigsinn gu'n robh an t-abstol Eoin an duil nach do thuia; am

Baisteach co a bha aige gus am facas anL Sjtiorad a' tearnadh air losa agus an ciialas an guth o neamh. Ach tha na soisg-eulaich- ean eile ag- innseadh dhuinn gu'n do thui^ am Baisteach co e losa roimhe sin, agus gu'n d' fhuair e sealladh air gloir a' Mhess- iah man deachaidh e sios idir do'n uisge,, oir thubhairt e, Tha feum agamsa a bhi air- mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a' teachd a m' ionnsuidh-sa? Ciod a thug air Eoin a" Bhaistidh sin a radh, agus ciamar- a fhuair e fios air naomhachd losa, agus carson a shaoil e nach robh e freagarrach dha pairt a g-habhail ann am baisteadh aith- reachais? Cha robh duine beo anns an la ud anns an robh Eoin a' baisteadh a thuig- g'l 'm b'e losa mac Dhe no chunnaie mor- achd na diadhachd ann, oir cha robh e fath- ast air fhoiOseaohadh dhaibh, ag-us cha b' aithne dhaibh e ach mar ghille 6g a bhuin- eadh do Ghalile agus a bha eudmhor a thaobh rioghachd Dhe. Ach mur do'rainig- am Baisteach fathast air diadhachd losa, thuig e gu soilleir gun robh losa na b' fhaide air ag-haidh ann an nithean spior- adail no bha e fein, agus gu'n robh e air a sgeadachadh le maise na naomhachd. Is e sin a thug- air a radh gu'n robh e na bu fhreagarraiche gu'm baisteadh losa esau seach gum baisteadh esan losa. Ciod am bonn a bha aige airsou na baraile sin?

Tha cuid de dhaoine an duil nach b'e so- a' cheud uair a thachair an dithis air a cheile, agus gu'm faca Eoin ciuine is irios- lachd is naomhachd losa am feadh 's a bha e fathast a' comhnuidh an Galile ann an tigh 'athar. Bha cairdeas dluth eadar an da theag-hlach, agus faodaidh e bhith gu'm. biodh iad a' dol a dh' amharo a cheile aig- amannan, agus gu'm biodh iad a' faicinn a cheile an drasd 's a rithist aig na feiltean^ ann an lerusaleim. Ma tha so fior, tha e furasda gu leor a thuigsinn ciamar a fhuair Eoin eolas air a' ghne duine a bha ann. an losa. Bha inntinn Eoin fein o 'oige air a. toirt suas leis na nithean a bhuineadh do 'n t-saoghal spioradail, agus ma bha seanchas aige ri losa uair sam bith mu na nithean sin, chitheadh e anns a' mhionaid gu'n robh gliocad is cumhachd an spioraid air a ghiul- an, agus gu 'n robh e a' comhnuidh ann an gradh Dhe agus ann an co-chomunn an Spioraid naoimh. Cha 'u 'eil so a reir briijthran an abstoil Eoin, oir ged nach eil e 'ga radh air a cheann, tha Eoin a' labhairt

42

."mar gu 'm biodh e ciallachadh iiacli d' aith- jiieh am Baisteach losa an uair a choiunich iad aig lordan. Mur d' aithnich, feumaidh naeli faca iad a cheile riamh gus an la ud. Ach faodaidli gur h-e a tha an t-abstol a' ■oiallfichadh nach d'aithnich e losa mar am Messiah, ged a bha eolas aige air mar •dliuiue.

i ha cuid eile an duil nach e an roimh-eolas a bha aig Eoin air eaitheamh beatha is naomhachd losa a thug air am facal ud a radh, ach eoslas na diadhaidh- •eachd a bha air aodann an duiue oig an uair a chaidh e sios do 'n uisge. Tha iad .ag radh gu "n do las aodann le gloir nan neamh agus air do Eoin iomhaigh nan ain- gleau fhaicinn air, dhuisg iongantas is eagal 'na chridhe agus thuirt e nach robh e freag- arrach do dhuine peacaeh mar bha e feiu bai.steadh an aithreachais a fhrithealadh do neach air an robh eoslas cho naomh. Faod- ■aidh e bhith gu bheil tomhas beag de 'ji fhirinn anns a' bheachd so, ged nach eil iadsan aig a bheil e ach a' labhairt niu thuaiream agus 'g a dhealbh a mac-meamna lan inntinn, oir cha 'n 'eil na soisgeulaichean -ag radh gu 'n robh solus dealrach no aogas iongantach sam bith air aodann losa aig -an am. Ach gabhaidh e creidsinn gu 'n robh maiso na naomhachd 'na aodann aig uair ■a, bhaistidh. B'e sin uair cho soluimte 's -a bha 'na bheatha, oir thainig gairm an Atliar thuige agus bha e air bheul e fein a choi.'rigeadh, corp is spiorad, do sheirbhis Dhe is dhaoine. Thainig e gu lordan chum a bhoidean iocadh do Dhia, agus air cilia "dearbhachd fhaotainn air toil is ruintean Dhe, bha a chridhe air a lionadli le sith is ^■airdeaohas, agus faodaidli gu'n gabhadh sin ^itlineachadh air 'aodann, oir is e an t-aod- ^nn sgathan an anma.

Tha cuid eile an duil gu'n robh e mar ■chleachdadh aig Eoin a bhi ceasnachadh na feadhnach a dli' iarradh air am baisteadh feuch an robh iad a' tuigsiun ciod a bha an t-ordugh a' ciallachadh, agus feuch an robh aithreachas slainteil air a dhusgadh annta; -agus tha iad ag radh gur h-ann o chomli- radli 's 0 cheasnachadh de 'n t-soorsa sin -a fhuair e anu an dliiths ri inntinn losa, 's -a thuig e tnach robh feum aige air aitlireach- -as a cliionn nach do pheacaich e riamh 's ^u'n robh e neo-lochdaeh anns gach ceum. Ach ciod air bitli an doigli anns an d' fhuair Eoin eolas air naomhachd losa, bhuail amh- arus e nach biodh ami dhasan ach dal- machd losa a bhaisteadh. Thainig e a steach •air 'inntinn, mar an ceudna, nach biodh amis ^n t-seorsa baistidh a bha esan a' deanamh -ach ordugh gun bhrigh do leithid losa. B'

aim gu baisteadh an aithreachais a gliairm e an sluagh, agus bha an t-ordugh 'na shamhladh air maitheanas peaeaidh, ach ciod am feum a bliiodh anns an ordugh do neach nach do pheacaich riamh? Air an aobliar si a, ghabh Eoin iongantas an uair a chaidh losa sios do 'n abhainn, agus tharruing e air ais o'n ordugh a fhrithealadh dha, ach thuirt losa ris, Leig do'n chuis a bhi mar so a nis, oir is iomohuidh dliuinn gach uile fhireantachd a clioimhlionadh.

Cha 'n 'eil e furasd a radh ciod an dearbh ni a bha losa a' ciallachadh leis an f hacal is iomchuidh dhuinn gach uile fhireantachd a choimhlionadh, ach cha ruigear a leas a o-habhail anns an t-seadh su'n robh e mar fhiachaibh air Criosd uile orduighean an laghd a choimhead a chionn gu'n do rug- aclli e fo 'n lagli. Tha cuid de dhiadhairean a' gabhail an fhacail anns an doigli sin, ach e"ed a thus: losa urram do lag:h Mhaois agus a lean e ann an tomhas mor cleachd- anna nan athraiehean, chaidh e, mar an ceudna, calg dhireach an agliaidh nan cleachdanna sin an uair a bha e faicinn nach robh feum annta. Labhair e, air uair- ean, mu cliuid de ghiiathaunan an lagha 's de chleachdanna nan athraiehean ann an doigli a chuir uamhas air a luclid eisdeachd. Bha na briathran a labhair e mu'n t-Sab- aid ionnan dhaibli ri toibheum. Thuirt is gu'n robh iad a' deanamh iodlial de 'n latlia naomh, agus thug e saorsa d'a dheisciobuil o na cuibhrichean leis an do cheangail na sgriobhaicheau iad a thaobh coimhead na Saba id. Air an doigli cheudna, chaidh e an aghaidh nan sgriobhaicheau a thaobh trasg- aidh, a thaobh urnuigh, a thaobh nigheadh la mil, agus a thaobh an riaghailtean anu bhiadli toirmisgte is ionadan naoniha. Ann an aon fhaeal, thuirt e riu gu'm faodadli neach uile ghnathannan an lagha a choimh- ead, agus gun tairbhe sam bith a bhi anu dha.

Tha sinn an duil, air an aobliar sin, nach aim air ghaol umhlachd a thoirt do litir an lagha no air ghaol deanamh mar bha daoine eile a' deanamh a dli' iarr losa baisteadh air Eoin, ach a chionn gu'n robli e a' fair- eachduinn gu'm biodh buannachd anns an t-sacraniaid ud d'a anam fein. Anns ^n obair blieannaichte a bha dol air a h-agli- aidh aig lordan chual e guth Dhe ag radii ris gu'n d' thainig lanachd na h-aimsir 's gu'n robh an dutliaich deas airson na minist- reileachd a thainig esan a choimhlionadh. Labhair guth o neamh 'na chridhe ag iarr- aidh air a chairdean 's a dhacliaidh fliagail air sgath rioghachd Dhe, agus air dha a bhoidean iocadh do Dhia gu'm biodh e dil-

i

i

43

eas do'n ghairm a thainig 'ga ionnsuidh, bu mliaitli leis faireachduiim a eliridhe a noclidadh le comharra follaiseach air clior- eigiii Tha fios againn uile, bho fhios- raohadh ar beatha fein, gu bheil e 'na chuideaeliadh spioradail dhviiuu siun fein a cheangal ri ar boidean le comharra foll- aiseach, agiis air an doigh cheudua faodar a radix gu'n robh e 'na sholas do losa bais- teadh fhaotainn o lamhan Eoin a chionn gu'n robh an t-ordugh sin 'na sliamhladh follaiseach air an tiomnadh a bha e a' deanamh air fein do Dhia. Acli ged is ann a neartacliadh a chridhe 's a tlioil fein agiis a dh' iocadh a bhoidean do Dhia a ohaidh losa sios do dh' uisge lordaiu, bha a bhaisteadh 'ua chomharra do 'n t-saoghal €lio cinnteach 's a bha e 'na cliuideachadh •d'a anam fein. Bha e 'na chomharra gu'n do ghabli Dia ri obair Eoin, bha e 'na chomharra gu'm b'e losa am Messiah, agus bha e 'na chomharra gu'n saoradh am Mess- iah a shluagh le bhi air aireamh am measg nan ciontach agus an cor 's an staid a ghabhail anns gach ceum.

Tha an soisgeulaiche Lucas ag radh gur h-ann am feadh 's a bha losa ag urnuigh, an deig-h a bhaistidh, a dh' fhosgail neamh 'e a thuirling an Spiorad air 's a cliualas an gulh, Is tusa mo mhac gradhach anns a bheil mo mhor thlachd. Is e losa is Eoin a mhaiu a ehual an guth 's a chunnaic an sealladh ud. Ma bha an sluagh a lathair, aig am a Bhaistidh, cha 'n 'eil e coltach gu'm faca no gu'n cual iad na nithean air a bheil jia soisgeulaicliean a' deanamh iomraidh . Nam faca iad an comharra miorbhuileach a chunnaic Eoin, faodar a bhi cinnteach gu'n labhradh mile teang-a uime agus gu'm biodh an rud air a sgaoileadh o cheann gu ceann de 'n duthaich. Ach cha do rinn iad sin, air an aobhar nach faca 's nach cual iad dad iongantach, 's nach robh amharus sam bitli aca ffu'm be losa a Galile am Messiah. Ged a bha Criosd air thalamh sia seaehduinnean an deigh 'aiseirigh agus a bha e gluasad am measg dhaoine, cha 'n fhaca 's cha d' aithnich neach e ach creidmhich a mhain, agus tha e coltach nach b'urraiun an saoghal a phearsa ghlormhor fhaicinn ged a bha e mu choinueamh an siil. Air a' cheart doigh, bha suilean is cluasan na mor chuideachd aig abhainn lordain air an gleidheadh air chor 's nach faca 's nach cual iad na nith- ean ard is iongantach a bha air an tais- beanadh do losa 's do Eoin. Is ann riusan gu sonrvxichte a bha Dia a' labhairt, agus bha feum aca le cheile air misueach lis comhfhurtachd aig an am. Bha feum aig Eoin air, oir bha an obair a thug Dia dha

ri dheanamh mar roimh-ruithear an impis a bhi criochnaichte, agus bha feum aig losa air, oir bha e air bheul 'aghaidh a chur air an t-slighe a bha treorachadh gu Callhari. Bha na comharran a chunnaic e anns na neamhan 'nan dearbhadh do Eoin gu 'n do sheulaieh Dia searmonacliadh an ai(:hreachais a rinn e, agus gu'n robh an rabhadh a thug e do'n t-sluagh mu theachd a' Mhessiah fior. Dh' fhaodadh e a radh mar thuirt Simeon Leig le d' sheirbhis- each a nis imeachd ann an sith, oir chunn- aic mo shuilean do shlainte. Bha na comh- arra-a ud 'nan dearbhadh do losa gu 'n d' thainig 'uair, agus gu'm bu mhithich dha a thoil 's a chridhe a neartachadh air son na combraig. Dh' ioc e a bhoid do Dhia agus choisrig se e fein, corp is anam, do sheirbhis an Athar. Ghabh Dia ris an tabhartas a thairg losa dha clio toileach, agus dh' ung se G le spiorad na seirbhis 's na cumhachd mar bha e cheana air ungadh le spiorad na seirce 's na naomhachd.

SEANN CHUNGAIDHEAN.

Bha siun a' leughadh o chionn ghoirid leabhar a tha toirt cunntas air staid na duthcha anns an ochdamh linn deug, agus ma's fior na leugh sinn, dh' fhaodadh na danine a bha beo anns an linn ud a radh mar thuirt an diadhair Marc mu neach eile, gu'n d' fhuiling iad moran o iomadh leigli agus nach b' fheairrd ach gu'm bu mliisd iad na cungaidhean a fhuair iad. li'lia amh- arus againn nach biodh daoine eadhoin an diugh fhathast eho toileach air na stutli- annan a thairgeae lighichean dhaibli a chur 'nau goile nam biodh fios aca ciamar a tha na ciingaidhean sin air an deanamh suas, ach tha dochas againn nach 'eil iad a' cur annta na nithean oillteil 's na creutairean mosaeh anns an robh uiread creidimh aig na seann lighichean. Bu shuarach do dliuine Gupan fala a bhi air a leigeil as g'ed a bha sin dona gu leor seach Ian spaine a chur 'na g'hoile de shalachar eich. Ann an leabhar dotaireachd a bha air uisneaeh- adh leis na lighichean a b' ainmeile an Duneideann, thatar a' leughadh gur h - iad so na nithean a bhiodh iad a' cur anns na cungaidhean leighis, ean- ch;i.inn nathrach, mionach figheadair, gloth- agaich is seangain, geir ghobhar is full mhuc, losgannan is seilcheagan, salchar each is pheagagan, daolagan is cnuimheagan ag'us burraghlas eile de 'n t-seorsa sin. B'e an leigheas a bha aca airson na caitheamh, "seilcheag air a bruicli ann am bainne," agus airson na buidhich, "baoiteagan air an

44

rostadh 's air am measgadh le hiibhean searbha.''

Ann an leabliar a sgriobli fear siubliail d' am b' ainm Martainn mu 'n Gliaidliealtachd aig* toiseach na h-oclidamh linn deug, tha e tigh'nn thairis air caiid de'n eolas-leigliis a blia cumauta am measg an t-sluaigh. Clia robh na ligliichean ach gann, acli cha robli ionndrainn orra a chionn gu'n robli seann daoine is seann mhnathan anns gaeh baile aig an robh fios ciod a bu choir a dheanamh anns gach seorsa tinneis. Gheibheadh iad an sbruileach eolais so o na seann daoine a chaidh romhpa, agus ma bha iad beachdail is tuigseach, cha 'n 'eil teagamh nach biodh an stor a' fas o Jinn gii linn. Bha iad gu sonruiehte beachdail air luibhean agus cha mhor gu'n robh luibh a' fas as an talamli nach robh air a' cur gu feum air chor-eigin leo an luibh nach deanadh burgaid dhean- adh i plasd. Bha na seann daoine a' creid- siuu gu bheil luibh air chor-eigin a ghabhas faotainn air son gach galair d'a bheil mac an duine buailteach deauntag is sealbhag, biolair is bealaidh, lus nan cluas is lus nan cnamh, cluas liath is lus a' chraois b'aithne dhaibh a' bhuaidh shonruichte a bha anns gach aon dhiubh sin.

Is leigheas air gach tinn Creamh is im a' Mhaigh. Bha meas mor aca air an eala-bhi. B'e sin an lus

Anns am faigheadh an leigh liath Furtach fiach do chreuchd 's do leoii. Bha fear anns na h - Earadh a b' abhaist a bhi faicinn thamhasg is uamh- asan eile na h-oidhche, ach air dha an eala bhi fhuaigheal r'a leine, cha 'n fhac e tamh- asg riamh tuilleadh. Theirear gu bitheanta lus Chalum-cille ris an eala-bhi, oir b'e so roghainn Chalum-cille am measg uile lusan na talmhainu. Luibh Chalum-cille, gun sireadh gun iarr-

aidh, Ma 's deoin le Dia, cha bhdsaich mi nochd. Bha seann mhnatlian na Gaidhealtachd a' ereidsinn nach gabhadh riid a b' fhearr a thoirt do leanabh an deig-h a bhreith no isugh an uinnsinn. Chuireadh iad an dara ceann de dh uinnseann ur anns an teine, agus am feadh 's a , bha e losgadh, dh' eireadh an sugh a dh' ionnsuidh a' chinn eile 's ghlac- adh iad dileag dheth ann an ispain agus chuireadh iad ann an corp an leinibh e. Ma chuir nathair a fiaclan ann am feoil duine, b'o an ; aon leigheas aca, duilleagan is barr an. uinnsinn a shuatliadli ris , an lot. Tha e coltech nach toigh leis an nathair an t-uinn- seann, oir tha seann fhacal ag radh

Theid an nathair troimh theine dearg Mti'n teid i troimh dhuilleacJi an uinnsinn..

Air son casg fala, cha robh lus sam bith a b' fhearr no an earr thalmhainn, agus chuala sinn o chionn ghoirid gu'm bi daoine coir a's aithne dhuinn ann an gleann fasail a trusadh na luibh so anns an t-samhradh air eagal gu'n tig driod-fhortan orra anns a' gheamhradh, an uair nach gabh i faot- ainn.

Mm robh cailleag cho boidheach 's a bu mhaitli leatha, cha robh aice ach an lus sail- cuaiche a shuathadh r'a h-aodann agus thig-eadh dreach eile oirre.

Sail cuaiche is bainne ghobhar Suath ri d' aghaidh 'S cha 'n 'eil mac righ air domhan Nach bi as do dheigh.

An uair a thigeadh an cnatau air laini Caimbeul, ciobair a bha anns na h-Earadh, rachadh e tnach anns an fhairge a dh' ionn- suidh na h-amhach, rachadh e an sin do'n. leabaidh gun aodach a chur dheth, chuireadh e dheth fallus mar gu'm biodh atha-cheilpe,, agus am maireaoh cha bhiodli sgeul air a'" ehnatan. Ach feumaidh gu'n robh bodhig- laidir aig Iain, agus cha 'n 'eil sinn a' comh- airleachadh d'ar luchd-leughaidh an leigheas so air a' ehnatan fheuchainn. B' fhearr dhaibh a dheanamh mar a bhios bodaich Ghlinn Urchadainn a deanamh an uair- a thig casdaich orra:

Dileag drama am bhroinn Is geir feidh air mo bhuinn Is suarach fuachd is siataig learn. Bha an leigheas a bha aig na seann daoine- air f.' bhuidhich a' cheart cho gabhaidh ri leigheas Iain Chaimbeil air a' ehnatan. Ruis- geadh iad an duine tinn agus thilgeadh iad in'a cheann 's m'a choluinu soitheach .an deigh soithich de shaile fuar. Chunnaic sinn le 'r suilean fein an leigheas so air fheuch- ainn aon uair, ach mur do leighis e cha do mharbh e co dhiu. Ann an Uidhist b'e an leigheas a bha aca air an loinidh blonag buna- bhuachaille a shuathadh ris a' ghoirt, agus thatar ag radh gu bheil saill an eoin sin fada ni 's fhearr airsou chreuchd no- saill eun eile. B' e an leigheas air an triuthaich bainne capaill ol a spainn chrithinn. Ma chreidear cuid de na facail. a bha aig na seann daoine tha leigheas ann am bainne ghobhar nach eil ann am bainne cruidh. Ach ged a bha iad am beachd gu'n robh leigheas air g-ach tinneas, cha leigh- seadh iad an t-aog.

. ^ Cha 'n 'eil easlainte gun iocslaint ,;,,Ach; cha 'n 'eil tilleadh air an aog.

5"

4

4

i

Air 12.

1910 ;i

AISEIRIGH lOSA.

Esan tliog Dia suas air an treas la agus nochd se e gu foUaiseach, clia 'ii ami do 'n t-sluagli uile, ach do fhianuisean, a thaghadli le Dia roiiuli - laimli, eadlioin dhuinne, a dh' itli ag-us a dh' 61 niaille ris an deigli dha eirigh o na marbhaibh : Gniomhara x. 40, 41.

Tlia e 'ua chnap-starra do chreidimh morau dhaoine anns an aiseirigh naeh facas Icsa an deigli a bhais ach leis na deisciobuil a mhain. B' ann air a' ehrann - ceusaidb a cliunnaic an saoghal an sealladli mu dlieir- eadh dlietli, agus o'n uair anns an do thaisg Joseph a chorp anns an uaigh, cha 'n fhacas e riamh tuilleadli leis na saiglidearan, no na sagairtean, no na Pharasaich, no le suil eile ach suilean nan deisciobul a mhain.

Dhuisg so amharus ann an inntinnean cuid de dhaoine, air chor 's gu'n abair iad nach 'eil anns an aiseirigh ach faoin sgeul a thog na deisciobuil 'nam mea.sg fein, an dara cuid, a chionn gu'n do shaoil iad gu li-onorach gu'm faca iad e, no a chionn gu'm bu mhaith leo an tuilleadh urraim a tlioirt d'a aium le bhi 'g innseadh gu'n d' thug le buaidh thairis air an uaigh. Their iad gu'n robh e furasda gu leoir do losa toirt air an t-saoghal creidsinn gu'n d' eirich e o na marbhaibh na 'n do nochd se e fein do mhuinntir lerusaleim uile, d'a uaimhdean cho mhaith r'a chairdean, do na sag-airtean aig nach robh gaol air, do Pliilat a thug a mach binn a bhais, agus do na saiglidearan a chuir gu bas e le 'n lamhan. Ach cha do rinn e sin, agus their as-creidmhich gur h-e an revLsan nach facas e leis an t-saoghal, ,nach cV eirich e idir. Ciod an fhreagairt a' s urra,innear a thoirt dhaibh?

Facdaidh e bhith nach riaraieh ar freag- airt inntinnean na feadhnach nach 'eil cheana a" creidsinn ann an aiseirigh losa; ach tha sinn an dull gu'n robh aobhar son- ruichte nach facas losa leis an t-saoghal an deigh 'aiseirigh. B'e an t-aobhar, gu'n d" eirich e le corp spioradail, agus gu'n robh an corp spioradail sin ueo-fhaicsinneach do shuil na feola. Cha 'n e mhain nach b' virr- ainn do 'n t-saog-hal fhaieinn, ach cha b' m-rainn do na deisciobuil fein fhaieinn gus an toilicheadh e e fein a nochdadh dhaibh Ge'd a bha e air thalamh sia seachduinneau

an deigh 'aiseirigh, cha 'n fhaca iad e ach- an drasd 's a rithist, agus tha e coltach nach. faiceadh iad idir e mur b'e gu'n d' atharr- aicli e buadhan a chuirp, aig amannan, le- cunihachd a dhiadhachd, air chor 's gu 'm. bu leir d'an suilean e. An aite a bhi feor- aioh carson nach facas e leis na sag-airtean. 's le muinutir lerusaleim gu leir, is e a' clieist a's coir fheoraicli carson a chunnacas- e leis na deisciobuil? Bha an corp spioradail leis an d' eirich e aig 'aiseirigh cho neo- fhaicsinneach d' an suilean-san 's a bha e- do shuilean chaich, agus bha e cho eu-com- asach do Pheadar an Tighearna fhaieinn air dhoigh nadurra 's a bha e do Philat; ach nochd losa e fein do Pheadar 's do na. deisciobiul eile a chionn gu'n robh e feum- ail dhaibh dearbhadh cinnteach fhaotainn nach d' thug an saoghal buaidh thairis air, . ach gu'n d'thug esan buaidh air an t-saoghal. 's air a' bhas. An uair a chunnaic iad e air a shineadh air a' chrann-ceusaidh, 's a thilg, e au deo, thuit iad ann an diobhail misnich; chain iad an creidimh 's an dochas, agus shaoil iad nach robh dad fodhpa tuilleadlu acii tilleadh dhacliaidh do Ghalile agus aid- eachadh gu'n robh iad air am mealladh ann an losa. Ach chleachd esan cumhachd a dhiadhachd chum a chorp spioradail a, dheanamh faicsinneach d'an suilean, air chor agus gu'n tuigeadli iad gu'n robh e fathast beo, agus nach d' thainig atharrachadh sam bith air, ged a chaidh e troimh gheatachau a' bhai.s. Tha da dhoigh anns am faodadh e e fein a dheanauih follaiseach do shuilean nan deisciobul. Bha e comasaeh dha buadh-- an a thoirt dhaibh, car tanuull, nach buineadh dhaibh gu nadurra, agus faodaidh e bhith gur h-e so a tha an soisgeulaiche Lucas a" ciaUaehadli an uair a tha e'g radh mu 'n. dithis a chunnaic e air an t-slighe gu Em- maus, gun d'fhosgladh an suilean agus gu'n d' aithnich iad e. Ach bha e comasaeh dha mar an ceudna buadhan a' chuirp nadurra a thoirt d'a chorp spiSradail fein, car tamuill, air chor 's gu 'm biodli e faicsinneach do shuil feola. Tha sinn an dull gur h-e so a thaehair agus nach d' fhuair suilean nan deisciobul comasan ura sam bith, ach gu 'u do chuir an Tighearna a phearsa ghlormbor fein ann an riochd anns am faiceadh an t-suil . nadurra e. Their cuid de dhaoine nach 'eil e furasda na soisgeulaichean a chreidsinn an uair a tha iad ag radh gu'n d' ith losa.

46

Tiiadli maille riu an deigh 'aiseirigli. Their iad naeh 'eil dreacli na firinn air an sgeul a ehionn nach h-urrainn feum a bhi aig corp spioradail air biadh is deoch. Tha sin fior gun teagamh, ach cba 'n 'eil coir isam bitli aca a radh gur h-ann a riaracbadli acrais no a ehumail suas a neirt a ghabh losa biadh maille ris na deisciobuil. Cha do rinn e sin ach aon uair re dha fhichead latha, agus rinn se e air sgath tmn deiscio- bul, chum dearbhadh a thoirt dhaibh gur e feiu da-rireadh a bha maille riu, agus nach A' atharraich e. Ged a chuireas e barrachd iongantais oirnn gu'n do ghabh e biadh, no chuireas e oirnn gu'm facas leis an t-suil nadurra e, cha 'n 'eil an dara rud, ann fein, dad ni 's iongantaiche no an rud eile. Tha ■e a' eheart cho miorbhuileach gu'm faiceadh suil nadurra corp spioradail 's a tha e gu'n gabhadh corp spioradail biadh. Is ann & chic-nn 's gu'n do thoilich losa e fein a nochdadh dhaibh, airson aobhar sonriuchte, a chunnaic na deisciobuil e am feadh 's a bha e foluichte o'n t-saoghal, agus cha 'n fhaiceadh iad idir e mur b' e gu 'n do chleachd e cumhachd a dhiadhachd thairis air buadhan a chuirp fein.

Faodar a radh, mata, gur h-e an t-aobhar nach faca Pilat no na sagairtean no na saighdearan no muinntir lerusaleim losa an deigh 'aiseirigh, gu 'n d' eirich e le corp spioradail a bha neo-fhaicsinneach do'n t-suil nadurra. Cha bhiodJi buaunachd ann dha e fein a tnochdadh dhaibh air dhoigh mhiorbh- uilea.ch, oir chuir iad cheana cul ris agus ■cha 'n atharraicheadh iad am beachd ged rachadh e thuca o na marbhaibh. Ged a ■chitheadh iad e, cha 'n abradh iad ach gu'm faca iad a thamhasg, agus, a thaobh creid- imh ann fein no 'na obair, bhiodh iad mar bha iad roimhe. Ach bha buannachd ann dha e fein a nochdadh do na deisciobuil agus taisbeanadh a thoirt dhaibh nach d' thug e do'n t-saoghal. Thagli e iad gu bhi 'nam fianui.sean dha, ghabli e morau dragha chum an teagasg anns na nithean a bliuiu- eadh do rioghachd Dhe, agus dh' fhoillsich se e fein gu miorbhmleach dhaibh an deigh 'aiseirigh chum an teagasg sin a chrioch- nachadh agus an ereidimh a dhaingeachadli gu'm b' esan da-rireadh Mac Dhe. Agus tha an t-athar rachadh a thainig orra-san anus an da fhichead latha a bha e maille riu a' dearbhadh gu soilleir gu'n robh e 'na bhuannachd do'n t-saoghal uile gu' m faca iad le 'n suilean e. Rinn an sealladh a chunnaic iad daoine lira dhiubh, tliuig iad nithean a bha roimhe sin dorcha orra, theich gacli teagamh is gealtachd air falbh uapa.

agus thoisich iad air soisgeul na h-aiseirigh a shearmonachadh anns an dearbh aite anns an do cheusadh losa, agus an iathair na feadhnach a bha ag aicheadh gu'n d'eirich e. B'e ereidimh nan abstol ann an aiseirigh losa an steidh air an do thogadh an eaglais Chricsduidh.

POL IS CORINT.

Is beag nach do bhris eaglais Chorint cridhe Phoil. Bha i 'na h-aobhar carraid dha mar nach robh aon eile de na h-eag- laisean a chuir e air chois. Ach ged a bha muinntir Chorint, an da chuid, neo-dhleasd- anach is dalma, dh' altrvim Pol an eaglais so cho caomhal 's a dh' altrurnas banaltrum a clann.

Rainig Pol Corint anns a' bhliadhna mu dheireadh d'a dhara turns soisgeulach. Bha am baile cho briagha 's gu'n abairteadh ris reul oirdheirc na Greige. Ach ma bha e a' toirt barr air bailtean eile ann am maise is ann am beairteas, bha e mar an ceudua a' toirt barr orra ann an aingidheachd. Cha robh duthaich fo 'n ghrein nach do thaom a prabar a steaeh do Chorint, 's b'e sin a' ghraisg. An uair a rainig Pol am baile rinn e mar a chleachd e a d'heanamh, agus shearmonaich e an toiseach d'a luchd duth- eha anns an t-sionagog. Ach cha b'e sear- moin a bha air aire nan ludhach, 's cha d' thug iad dha ach eisdeachd fuar. Cha b'e Pol am fear a chosgadh a chainnt ris na ballachan, agus air dha fianuis a thogail 'nan aghaidh gu'n robh e saor 's am fuil, thionndaidh e ris na cinnich. Tha e coltach gu'n do chreid cuid dhiubh-san, agus ged nach robh an aireamh mor an toiseach bha an eaglais a' sior fhas, agus dh' fhan Pol maille riu uine mhaith. Cha b'e sin eaglais nan uaislean. Cha robh anns a' chuid mhor dhiubl' ach gaotharain aotrum anns nach robh stoldachd no steidheileachd. Chum Pol fein deagli rian orra cho fad 's a bha e 'nam measg, ach an uair a b' fheudar dha am fagail agus 'aire a thionndadh ri obair eile, thoisich counsachadh is iorghuill anns an eaglais a theaj) bloighean a dheanamh dhith. An uair a dh' fhag Pol am baile ghabh droch ludhaich fath air dol a steaeh a dheanamh uilc agus a thogail droch thuail- eas air. Thoisich iad air a chur mar fhiach- aibh air na feadhainn a bha air an iomp- achadh fo theagasg nach robh ann am Pol ach ablaeh searmonaiche, 's nach robh ugli- darras sam bitli aige a bhi labhairt idir a ehionn nach faca e riamh Criosd. Thuirt

4

47

iad uaeli robh bodhig no teanga abstoil aige, agus nach robli anu acli duiue a bha 'ga mbealladh fein 's a' mealladh dliaoin eile. Bha euid de bliuill na h-eaglais a clireid a' chainnt sin, agus thoisich iad air ainm ia ughdarras is teagasg Plioil a cliur an suar- achas. Bha so dona gu leoir ach bha sgeul a bu mhiosa aig Apollos r'a innseadh an uair a choiniiich e fein is Pol ann an Ephesus. Dh' innis e dha nach robh an luchd aid- eacbaidh idir faicilleacli 'nan caithe beatha 's gu 'n robh feadhainn dhiubh a' tuiteam aii: an ais gu cleachdannan nan einneach. An aite suipeir an Tighearna a chuartachadh le h-urram is soluiniteachd, bha iad 'g an giulan fein ann an doigh mhaslaich, agus chunnacas feadliainn dhiubh aig an t-suipeir naoimh air an daoraich. Dh' fhas na boir- ionnaieh dalma cuideachd agus dh' fheuch iad r' an guth a thogail anns an eaglais. Cha robh rian no stoldachd anns an tigh- aoraidh an uair a chruinnicheadh an luchd aideachaidh comhla, oir bha iad uile deonach air an comasan a nochdadh do na braith- rean. Is e thainig* as a sin gu'n robh an eaglais air a lionadh le h-uabhar is farraad is raiteachas. Thuig Pol gu'n robh euiseau fada eearr agus ehuir e roimhe sgriobhadh a dh' ionnsuidh nam braithrean ann an Cor- int, a chionn nach b' urrainn dha aig an am an t-aite auns an robh e fhagail. Tha e coltach gu 'n d' fhuair e litir bho eaglais Chorint anns an do chuir feadhainn de na «reidmhich an comhairle ris timchioll air rud no dha a bha cur draglia orra, agus faodaidh e bhith gur h-e an litir sin a thug air Pol sgriobliadh thuca cho luath. B' iad so cuid de na ceistean a ehuir iad air A' bheil e ceart do luchd aideachaidh posadh? A' bheil staid a' phosaidh 'na ceap-tuislidli do bheatha na diadhaidheachd? Am faod bantraichean posadh a ris ? Am faod Criosduidheau feoil itheadh ma bha am beathach air an robh i air a mharbhadh mar iobairt do dh' iodhal? Am faod Criosd- uidheau suidlie aig biadh maille ri cinnich? Am faod mnathan an comhdachd-cinn a chur dhiu anns a' choinneamh ? Am faod boir- ionnaich labhairt is teagasg anus a' choinn- ■eamh? Co am fear a's fearr gibht, esan a shearmonaicheas no esan a ni faidheadair- ■eaehd? Ciod am beachd a bha aig Pol mu'n aiseirigh? Ciod an seorsa cuirp leis an eirich an duine ? Cha 'n 'eil teagamh nach robh na ceistean sin a' cur dragha air inutinuean is eoguiseau nan Corintianach, ged a shaoileas sinne an diugh gu bheil iad car suarach. ■Cha do chord an spiorad anns an do sgriobh iad ri Pol, oir chunnaic e gu'n robh iad air

dol air seacharan bho fhallaineaehd an t- soisgeil, ach labhair e riutha gu reidh faighidneach agus dh' fheuch e, an da chuid, ris na duileadasan a bha aca a chur as an rathad agus ri an inntinnean a threorachadh gu nithean cudthromach na beatha spiorad- ail. Ciamar a rinn e sin faodar fhaicinn anns an litir, I Corint, litir a tha Ian de ghliocas an Spioraid Naoimh.

CRIOSD IS MOHAMMED.

Air feadh an t-saoghail gu leir tha comli- rag chruaidh a' dol air aghaidli eadar an da chreidimh so, agus ann an iomadh aite tha e coltach nach e an creidimh Criosduidh a tha faotainn na buadha. Ma tha luchd leanmhuinn Chriosd a' fas meagh bhlath mu aobhar an t-soisgeil agus a' leigeil thairis oidhirp laidir a dlieanamh chum an soisgeul a thoirt do na cinnich a tha fathast auns an dorehadas, cha 'n e sin do luchd leanmhuinn Mhohammed. Tha iad cho eudmhor air taobh an creidimh 's a bha iad riamh, agais tha iad an diugh a' faicinn toradh an saoth- rach, oir tha na miltean anns na h-Innsibh is anns an Afric air an iompachadh leo. Tha e 'na chuis-eagail mar tha creidimh Mhohammed a' fas, cha 'n e mhain anns na duthchannan a tha fo riaghladh nan Tur- cach, ach, mar an ceudna anns na duth- channan a tha fo riaghladh Bhreatuiuu. Anns na h-innsibh an Ear, far an do thog- adh bratach Blireatuinn o chionn nan ceudan bliadhna, cha 'n 'eil aireamh nan Criosduidli- ean ach beag an coimeas ri aireamh nan Mohammedanach, a tha dol am meud gach latha. Faodaidh sinn an rud a chur ann an doigh anns an glac e suil ar luchd-leugh- aidh ;

Aireamh nan Mohamuiedanaeh

3, 410, 402

7, 179, 900 1, 053, 100 1, 795, 900 1, 200, 000 6, 253, 193

8, 880, 000 3, 982, 448

62, 458, 077

248, 040

13, 906, 972

20, 000, 000

58, 863, 514

DuthaicJi.

An Roinn Eurpa,

An A.sia bheag,

Siria, ...

Armenia,

Mesopotamia,

Arabia,

Persia,

Afganistan, ...

Na h-Innsean an Ear,

Ceylon,

Rus.sia,

China,

Africa,

Tha luchd leanmhuinn Mhohammed ag aireamh uile gu leir 222, 342, .599, agus tha 161,060,870 dhiubh sin fo riaghladh dhuth- channan a tha ag aideachadh a' chreidimh Chriosd uidh. Mur iompaich na Criosduidh- eau iadsan, iompaichidh iadsan na Criosd-

48

uidhean. Tha iad a' cleaehdadli g-ach inn- leachd a's aithne dliaibh chum sin a dhean- amli, agus clia 'n 'eil rud eile 's an t-sealladh aca ach an saoglial uile a ehosnadh do Mhchammed.

Is ni bronacli e gu bheil na cearnan sin de'n t-saoghal anns an do dhealraieli solus an t-soisg-eil an toiseach air tuiteam ann an lamlian dliaoine a tha deanamh tair air aium losa, agus their na Mhohammedanaich gu bheil sin 'na chomharra gu bheil an creidimh Criosduidh a' call greim air an t-saoghal, agus gu bheil an latha a' tighinn anns am bi ainm Mhohammed air ardachadh os cionn losa. Ann an tighean-aoraidh anns an aird an ear anns an eualas roimhe so fonn nan salm is urnuighean air an cur suas ri Dia ann an ainm losa, tha luchd aoraidh an diugh a' toirt toibheum do'n ainm naomh agus a' deanamh aoraidh do Mhohammed. Ciod a theireadh an t-abstol Pol na'n tigeadh e air ais agus na 'm faiceadh e suidheachadh nan duthchannan anns an do shaothraich e? Air na dearbh laraichean anns an d' fhag e eaglaisean Criosduidh, tha teampuill an diugh air an togail leis na Mohammedan- aich, na naimhdean a's guiniche anns an t-saoghal do 'n t-soisgeul a shearmonaich Pol. Cha chluinnear an diugh ainm losa anns na h-eaglaisean a dh' ionusuidh an do sgriobb an diadhair Eoin, Ephesus is Sardis, is Tiatira, is Pergamos is Laodicea. Chaidh an coinnlearan atharrachadh as an aite. Tha eadhoin am baile naomh Jerusalem fo riagh- ladh an Turcaich, agus dluth do'n uaigh anns an do leagadh losa, cluinnear an diugh daoine aig a bheil fuath d'a ainm ag aoradh do Dliia uaoh b' aithne dha-san, agus lag eigheach Is e Mohammed a mhain faidh Dhe.

Tha e furasda gu leoir do'n chreidimh Chriosduidh na cinnich bhorb a ehosnadh agas an tionndadh o bhi ag aoradh do iodli- alaa a rinneadh le lamhan chum aoradh a dheanamh do 'n Dia bheo. Ach ciamar a chosnas an creidimh Criosduidh luchd-lean- mhuinn Mhohammed? Cha 'n 'eil iadsan ag aoradh do iodhalan. Tha iad ag aoradh do Dhia ged naeh 'eil iad a' gabhail ris an fhoiUseachadh a rinn losa air an Athair. Aidichidh iad gu'm bu duine maitli losa, faidh naomh a's airidh air urram mar a's airidh Maois air, ach tha iad Ian chinnteach 'nam beachd fein nach robh an solus no an t-eolas aig losa a blia aig Mohammed. Rug- adh Mohammed mu shia ceud bliadhua an deigh do losa an saoghal fhagail agxis their a dheisciobuil gu bheil an taisbeanadli a thus: e dhaibh air Dia ni 's iiire no an tais-

beanadli a thug losa seachad. Ann an aon fhacal, tha iad a' creidsinn gur h-e na briathran a labhair Dia ri Mohammed am faeal mu dheireadh a labhair e ris an t- saoghal. Tha iad ag aieheadh diadhachd losa agus eifeaclid a' bhais. Tha iad ag aieheadh gu'n d' thainig e o Dhia no gu'n deachaidh e air ais gu Dia ann an doigh sam bith ach mar tha sin fior mu na h-uile dhaoine. Tha Biobull aca dhaibh fein, an Goran, leabhar d'a bheil iad a' toirt uiread urriiin 's a tha Criosduidhean a' toirt do 'n Tiomnadh Nuadh. Tha moran firinn ann an creidimh nan Mohammedanach ; tha iad am bitheantas 'nan daoine stuama, bidh iad ag m'nuigh 's a' trasgadh, tha iad a' feuch- ainn ri gluasad a reir teagasg a' Chorain anns a bheil deagli theagasg mu dhleasdanas 's mu ehrich ar'aidh an duine, agus tha aon- achd anabarrach 'nam measg. An uair a labhras Criosduidh ri Mohammedanach 's a dh' fheuchas e ri 'iompachadh is e a their am Mohammedanach Carson a leiginn seachad mo chreidimh fein air son creidimh a's miosa? Tha teagasg anns a' Choran a's gloine na teagasg do Bhiobuill-sa, agus a thaobh stuamachd is moralaehd tha ar sluagh-ne fad air thoiseach oirbh-se a tha feuehainn ri ar creidimh fein a' sparradh oirnn. Is e isibh-se a tha anns an dorchadas agus tha e mar fhiachaibh oirnne an solus a thoirt dhuibh agus toirt oirbh 'ur glun a lubadh do Mhohammed, am faidh naomh leis an do labhair Dia ris an t-saoghal anns na laithean deireannach. An uair a thaehras an da chreidimh so air a cheile, cha teid creidimh Mohammed air ais leud na roinn- eig, tha e a' toirt diilain do shoisgeul Chricsd, agus tha a luchd aideachaidh a' sealltuinn sios le truas air Criosduidhean mar dhaoine a tha ann an tiugh dhorchadas. Tha iad le cheile ag iarraidli an saoghal a ehosnadh d'am maighstir, agus aig a" cheart am so tha iad aghaidh ri aghaidh anus an Afric, anns na h-innsibh, agus ann an duth- channan eile na h-aird an Ear, agus tha e coltaeh naeh fhada gus an teid a' chomhrag an dara taobh, co aca a gheibh a' bhuaidh. Tha cridheaehan nan Mohammedanach air theine le h-eud, agus chuartaicheadh iad an domhan uile los aon rioghaehd no aon ehinneach a ehosnadh. Is suarach leo am beatha an coimeas r'an creidimh. Nach 'eil so a' gairm air luchd - aideachaidh Chriosd anns an duthaich so dusgadh as an cadal, agus oidhirp a dheanamh chum gu 'm bi ainm beannaichte-sa air a ghlorachadh, 's cha 'n ann air a mhaslachadh am measg nan cinneaeh!

i

"t

i

^

Air 1.

1911.

A' BHLIADHN' UR.

Tha simi a' guidhe bliadliua mhaith ur d' ar luelid-leiig'haidli air feadli na Gaidlieal- taclid uile. Tha sinn an doclias ga'm bi slaiute is soirbheachadh aca re na bliadhua so, agus gn'n saor Dia an suil o dheuraibh agiis an cas o shleamhnaehadh.

Tha a' bhliadhn' nr so a' tuiteam air latha na Sabaid agus cha 'n urrainn dhuinn tois- eachadh air obair na bliadhna anu an doigh a's fearr no del suas do thigh na h-urnuigh chum ar boidean iocadh do Dhia agus aoradh a dlieanamh dha-san a tha riaghladh air neamh is talamh. As eugmhais beannachd an Tighearna tha ar n-mle shaothair diomh- ain, agus tha e freagarrach gu'n tionndadh ar. smuaintean thuige-san air ceud mliaduinn na bliadhna, agus gu'n iarramaid a bheann— -aohd oirnn fein 's air ar cairdean. Is gasda an sealladh coimhthional fhaicinn a' togail fonn na sailm air madiunn na bliadhn' uire ann an tigh an Tighearna:

Mo shuilean togam suas a chum Na.m beann o'n tig mo neart. O'a Dia rinn talamh agus neamh, Tha m' fhurtachd uile teachd.

Do dhol a mach 's do theachd a steach, Coimhididh Dia a ghnath; O'n aimsir so a nis a t' ann, 'S o sin a mach gu brath.

lAnn an Turns a Chriosdiiidh tha Iain Bun-

fian a tigh'nn thairis air comhradh a bha

eadar Fear a' chridhe mhoir is lonraic rau

chompanach eile a bha dol maille riu a

ill' ionnsuidh a' bhaile neamhaidh.

Fear a chridhe mhoir. An aitlme dlmit ^<luine d' an ainm EagaUach.

lonraic. Is maith sin, duine anns a bheil bu.i a' ghnothuich, ach fear gabhail a' rath- aid cho draghail 's a thachair orm riamh.

Fear a' chridhe mhoir. Tha thu ceart, tha nu a' tuigsinn gur li-aithne dhuit e.

lonraic. Gux h-aithne dhomh e! Bha sinn gle eolach air a cheile, agus bha mi comhla ris an uair a thoisich e air iiamh a g-'habhail roimli na h-uamhasau a bha romhainn.

Fear a chridhe mhoir. Is mise a threoraich e 0 thigh mo Mhaighstir gu geataohan a' bhaile neamhaidh.

lonraic. A bheil thu 'g radh rium! Innis dhomh uime, oir is toigh learn a chluinntinn ciamar a eliaidh dha.

Fear a' chridhe mhoir. Mata, cha deach- aidh ach gu meadhonacli; duine eile cho gealtach cha 'n fhaca mise riamh. Bha e 'na shiueadh fad mios mor aig slochd an Eu- doehais, a ranaich leis an eagal. Cha robh de mhisnioh aige cas a chur foidhe, ged a bha e a'faicinn feadhainn eile a' dol thairis gu sabhailte, agus ged a bliL iad a' tairgsinn cuideachaidli dha. Cha rachadh e air agh- aidh agus cha mho a rachadh e air ais. Le ciuchran truagh theireadh e gu'm bu duine ullamh esan mur ruig-eadh e am baile neamhaidh, ach cha luaithe a thachradh an tolg a b' fhaoine air no bliiodh e air a dhruim direach. Ach co dhiu, air a' cheann mu dheireadh, an deigh dha mios (mor a chur seachad anns an sgogaireachd, thug e aon ionnsmdh thapaidh air agus fhuair e thairis, ach is ann aig an agli a tha brath ciamar a fhuair.

Cha -ruig'-^ simi a leas an comhradh a leantuinn ni 's fhaide, thug sinn tarruing air EagaUach a chionn gu bheil sinn an duil gu'm faod cuid d' ar luchd leughaidh a bhi anns a' cheart inntinn anns an robh esan a thaobh duileadasan is uamhasan na slighe a tha air thoiseach orra.

Eachamaid an coinneamh na bliadhna so le deagh mhisnich, oir is e an Tighearn ar buachaille agus treoraichidli e sinn lamh ri h-uisgeachan ciuin. Tha a chumhachd gun atharrachadh agus a throcair o shiorr- uidheachd gu siorruidheachd orra-san d'an eagal e. Ma tha Dia leinn co dh' fhaodas a bhi 'n ar n-aghaidh. An Ti nach do chaomhain a mhac fein, ach a thug thairis e air ar son-ne, cionnus maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithe? Rom. viii. 32.

Tha aingeal Dhe a' campachadh, Mu 'n dream d' an eagal e, G' am fuasgladh is g' an teasairginn O'n trioblaidibh o-u leir.

Ach tha mi ag radii so, a bliraitlirean, gu bheil an aimsir goirid 's na bheil ri teaclid: ioniius araou gu'm bi iadsaii aig am bbeil miiathan mar nacii biodh mnathaii aca, agus iadsan a tha ri gairdeaciias mar mliuiniitir uaeh 'eil ri gairdeachas, agus iadsan a tha ri caoidh mar naoh biodh iad ri caoidh, agus iadsan a tha ri ceanuaclid mar dhaoine nach 'eil a' sealbhachadh, agus iadsan a tha gnathachadh^ an t-saoghail so ma,r dhream nach 'eil 'g a mhi-ghnathach- adli ; oir theid sgiamh an t-saoghail so seachad:— Z. Corint vii. 29-31. Tha sinn a^ caitheadh ar bliadhuacha mar sgeul a dh' innsear. Tha ar laithean a' dol seachad mar shruth, agus cha 'n urrainn duinn uaill a dheanamh a thaobh an la maireach, oir cha 'n 'eil fios againn ciod a bheir la uaith. Gu 'n teagaisgeadh an Spiorad Naomh dhuinn ar laithean aireamh, chum gu 'n socruich sinn ar cridhe air gliooas! Is e ' eagal an Tighearna tus a ghliocais, lagus tha. an diadhaidheachd tarbhach chum nan uile nithe, agus tha gealladh ua beatha a tha lathair agus gealladh na beatha a tha ri teachd aig a' mhuinntir a ghluaiseas ann an eagal Dlie. Cha 'n 'eil eursa na beatha so ach goirid, eadhoin aig na feadhainn a's fhaide a gheibh de shaoghal, agus tha moran a tha gealltuihn sineadh laithean dhaibh fein aig toiseach na bliadhna so a bhios anns an t-siorruidheachd ma'n tig i gu cricli. Co dhiu a tha siune am measg na h-aireamh sin, is ann aig Dia a mhain a tha fios. Ach is e ar dleasdanas agm ar gJiocas dichioU a dheanamh chum an aimsir ath^cheannach, agus ar n-obair a dheanamh gu dileas ma'n tig an oidhche anus nach h-urraiun ueach obair a dhean- amh. Cha "n 'eil obair no aithreachas anns an uaigh.

"S e uis an t-am bhi reidh ri Dia, 'S e nis an t-am thoirt geill do 'n Triath, Am feadh 's a mhaireas la nan gras, Faodaidh gach neach dol as o'n bhas.

Gn'ji cuidicheadh Dia leinn anus a'bhliadh- na so ar-n inntinnean a shocruchadh air nithean spioradail, agus ar cridheachan a thabhairt suas dha fein, chum co aca a bhios sinn air ar caomhnadh gu bliadhna eilo no air ar gairm gu caithir breithean- ais, gu'm bi dochas na beatha maireann- aich againn.

"Ann cm stri dr beatha, aig uair ar bciis, agus ami an la a' bhreitheanais, a Thigh- earna, nochd dhuinn do throcair.

AIRC A' CHOIMHCHEANGAIL.

Cha 'n 'eil creidimh air an cualas riamh iomradh nach 'eil a" cleachdadh shamhlaidh- ean chum firinnean spioradail a theagasg. Tha so gu sonruichte fior a thaobh creid- imh nan ludhach. A reir am beachd-san bha latliaireachd Dhe ceangailte ri ionadan sonruichte agus ri nithean sonruichte ann an doigh nach robh i ceangailte ri aitean is nithean eile. Ach thug iad urram da dh' Aire a' Chomheheangail nach d' thug iad do rud sam bith eile, oir, fad moran bhliadhnachan, bha iad an duil gun _ robh an t-Uile-chumhachdaeh a' comhmiidh innte. Faodaidh e bhith nach robh na sagairteaii a' creidsinn so, agus gur h-ann gu samhlach- ail 's cha 'n ann gu litireil a bhiodh iad a' labhairt ris an t-sluagh mu lathaireachd Dhe anns an Aire, ach ciod air bith a. bha ann an inntinnean nan aodhairean, tha e coltach gu'n robh a' mhor chuideachd de'n t-sluagh Ian chinnteach gu'm b'e an Aire ionad-comhnuidh an Uile-chumhachdaich.

Bha an Aire air a gleidheadh anns an ionad a bu naoimhe de'n phailliun. Cha. robh innte ach ciste fhiodha, mu thri troidhean is sia oirlich am fad is da throidh an lend 's an airde, ach bha i air a comh- dachadh le h-6r. Bha i daonnan air a cumail glaiste, agus an uair a bhiodh na sagairtean 'ga giulan o aite gu h-aite, bliiodh brat air a sgaoileadh oirre chum a , foluch o shuilean an t-sluaigh. An uair a bha clann Israeli ag imeachd amis an fhasach, bha an Aire dhaibh mar cheann- iuil. Agus tharlaidh, 'nuair a bha an Aire gu dol air a h-aghaidh, gu'n d' thubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus- teicheadh a' mhuinntir leis am fuathaeh thu. Aireamh x. 33. Air dhaibh tir a' gheall- aidh a ruighinn, bha an Aire air a gleidh- eadh. an toiseach ann an Gilgal, agus a rithist ann am Betel, agus 'na dheigh sin ann an Siloh. Ach cha robh iad a' toirt moran taimli dhi, oir bhiodh iad 'ga eur air eheann an airm an uair a rachadh iad a mach a chog-adh. Ei linn Eli bha tuasaid eadao clann Israeil agus na Philistich, agus anns a' cheud bhlal- a thug iad mharbh- adh ceithir mile de na h-Israelaich. "Agus thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhua,il an Tighearna sinn an diugh. Thugamaid a Siloh aire a' choimheheangail chum gu 'a saoi- i sinn a lamb ar naimhdean'':

3

I

Sainuel iv. 3. B'e sin a rinn iad, chuir iad teachdaireaii a dli' iariaidh na h-airce, agus an uair a chunnaic an sluagli i air a giulan a steaeli do'n clia,m]3, dh' eig-li iad le h-iolach clio mor 's gu'n do fhreagair an talamli do 'n fliuaim. Ach b' fhearr dliaibh gu "n d' fhag iad an Aire far an robli i, oir an atli uair a thug iad blar do na Pbilisticli mharbliadli deieh mile ficliead dhiubli agus glilacadh Aire an Tigliearna masladh eho mor 's a thainig air cloinn Israeil riamh. Ann an eeud- leabhar Shamueil tha e air innseadh eiamar a thug aia Philistieh aoidheachd do'n Aire gus ann an do bliuail amharus iad naeh b'e aoidh cneasda sam bith a bha innte agus am bu bhuidheach leo a chiste neouaeh ud fhaotainn as an lamhan air eag-al gu'n tigeadh driod- fhortan ni bu mhiosa 'nan caramh no am breathal a chuir i air Dagon agus na neasgaidean a chuir i air fir Asdoid. An deigh dhaibh a gleidheadh seachd miosan chuir iad dhachaidh i, agus tabhartas-eus- aontais 'na cois, mar tha leabhar Shamh- ueil ag innseadh. Ach cha ruigear a leas a h-imeachd a leantuinn ni 's fhaide.

An uair a thog Solamh an teamjaull thug e nios an Aire a baile Dhaibhidh agus chuir e i 'na snidhe anns an teampull fuidh sgiathan nan eerubau. Tha e air a radh ann an leabhar nan Eighrean nach robh ni sam bith innte, aig an am sin, ach an da chlar cloiche a thug Dia do Mhaois, ach a reir beachd nan ludhach bha tuilleadh is sin anns. an Aire. Tha an t-abstol a sgriobh an litir chum nan Eabhruidheach ag radh gu 'n robh na tri nithean so innte

(l^i A' phoit bir anns an rohli am manna.

(2) Slat Aaroin a bha fo bhlath.

(3) Clair a' choimhcheangail.

Faodaidh e bhitli nach robh iad innte ri linn Sholaimh, ged a bha iad innte aig aon am, agus gu'n do cliailleadh no oai'n do bhriseadh a' ]:)hoit oir is slat Aaroin an uair a bha an Aire an laimh nam Phil- isteach.

Cha 'n' urrainn sinn a radh ciod a dh' eirio do'n Aire air a' eheann mil dheireadh. Rinn Nebuchadnessar larach 16m de bhaile naomh lerusalem, agus faodaidh e bhitJi gu'n do loisg e a' chiste naomh so no gu'n d' thug e leis i do Bhabilon ma bha e 'n duil gu'n robh luaeh sam bith innte. Tha cuiii de na h-Iudhaich a' creidsinn gu bheil i foluichte an aite air chor-eigin, agus gu'n tog i ceann fhathast, an uair a thig am Messiah.

DOMHULL - NAN - lALL.

Ged nach robh moran de 'n t-saoghal aig- Domhull-nan-iall bha e gu maith sicir 'na dlioigh fhein. Bha e dichiollach gun teag- amh, ach a chionn nach robli a lamh ro^ ghrinn, snasmhor, cha robh a thigh'nn a stigh ro mhor. Chuireadh e breabainean, is sailtean, is ceireinean air brogan mar nach b'olc; ach duine a bheireadli tomhas a choise dha aon uair, cha tug^adh e dha e uair eile, air fheabhas 's gu'n duraichdeadli e Domhull air a chothrom.

Mar a thubhairt mi, cha robh tigh'nn a stigh Dhomhuill mor. Ged a bha a bhean stuama eaomhantaeh, bha e ionanu 'e a fairt- leacJiadh oirre iomflmasgladh a ghleidheadh dhaibh fein le cheile agus d'an triuir chloinne. Aig" a' eheart am eha'u fhaodar aicheadh nach biodh fiugheall is foghnadh aca mur b'e gu'n robli Domhull eho trom air a' phiob 's air an 61. Ach bha e lag* obair gu goirt agus cha b' nilear dha rud hea.ii air uairean a ehumail speirid 'na sheann uilt. B' e sin a bheachd fein co- dhiu. Ach bha an rud heag a' cost tri tasdain '.s an t-seachduinn dha, agus cha bu bheag an cuideachadli a dheanadh sin ris a' mhuirichinn.

Bha am paisde a bu shine aig Domhull^ Maireag mu dheicli bliadhna a dh' aois. Blui i 'na caileig- ro luracli, ach bha i riamh anfhaun breoite. B'e ailleagan an tighe i, agus cha robh dealachadh a' dol eadar i fein 's a h-athair. Raehadh Maireag- a h-uile lath a do eheann eile an tighe far am biodh e ris a' ghriasachd a ehumail cuideachd ris, agus dheanadh i c6mhradh ris oho seangarra ri seann duine. Air uairean thigeadh greis thinneis oirre, aguB shineadh i i fein air an nrlar, ach bu bhuidhe leatha a bhi eeall- tuinn an aodann a h-athar. Cha bhiodh i toilichte ach an uair a bhiodh i comhla ris agus cha b' uallaeh leis-san 'obair eho fad 's a bhiodh i mu choinneamh.

Bha mios is mios a' dol seachad 's bha Maireag uidh ar-n uidh a' snaidheadh as. Bha a gruaidhean a' dol an taineid 's an glaiseid, agus a casan a' call an luis. Thainig- oirr'3 mu dheireadh nach b' urrainn dlii uiread is dol do eheann eile an tighe gun taic; an sin riiin a h-athair ard-leaba dhith. Bhiodh i uis 's an leabaidh, greis a' bruidh- inn ris agus greis ag amhare 'na aodunn. Bha an nine a' dol seachad mar so, ach a dh' aindeoin a' a-haoil a bha aig-e air Maireie-

agus ail' a tlieaglilach uile, cha do leig Domhull dheth an t-61 no an tombaca. Mar sill cha robli annas no ailleas aca agus •ciuniar a bhitheadh. Bha tuilleadh 's a b' urraiun dhi dheananih aig bean Dliomhiiilt buntata is eeaiban aodaich fhaighiiin do 'n teashlach s-un tia-hinn air annas no ailleas.

Beag no mor 'g an coisueadli Domhull, dh' f hev,madli e an aon suim a chur air leth gach SUthurna niu ehoinneamh an oil 's an tombaca, agus rachadli gach bonn dheth annta. Bha e Ian chinnteach 'na bheachd fein nach rachadli aige air 'obair a dhean- -amli mur faigheadh e an rud beag, agus mur faigheadh e toth de'n phiob an deigh gach tratii bidh bha e an duil nach b' fliiach dlia -a bhi stri ris an t-saog-hal. Mar a b' fliearr na timeannan is aim a bu trice Domhull 's aa tigh osda, ach an uair a theirgeadh an t - airgiod dh' fhfeumadh e an stuaim a ■clileaclidadh.

Bha Maireag a' sior shioladh air falbh: Cha b' urrainii dhi am Ijuntiita aghabliail. agus an uair a dh' flieucliadlr i ris, rachadh ■e 'na h-aghaidh. Ts oaiiii a bha i ag itheadh na chumadh an ujiail iniile. "Mo ghaol beag i," ai's' k niathair, latha a bha 'n sin, "cha bhi i beo gun bhiadli." Is anna tha na maoirneinean boga buntata a' toirt a' ohridhe aisde. Is truagli nach ami agamsa .a bha beagan de iia tha na li-uaislean a' cur an clolaidh.

"Tha mallachd a' ruitli na bochdainne co dhiu," arsa Domhull, le gribhejg nach bu chleaclidadh leis, agus e a' sealltuinii air Maireig a' cur uaipe a' bhidh. "Mallachd ■oirre,' ars' esan a ritliist, " mo phaisdean beadrach a' dol bas leis an aoras agus an ailleas aig clann nan uaislean."

Leis an an t-shurdan a bha aig Domhull leis a' mhinidh 'e leis an eill bho mhoch gu duth, cha robh gnothueh righ no riogh- aehd a' cur iomaguin air, agus cha deanadh e tarmas air biadh sam bith a chuirteadli air a bheultliaobh. Ach bu docha leis Mair- eag no ui fo 'n ghrein, agus thug e suiomh air a, chridhe a blii faioinn mar bha i, ae-us thoisich e air monnihur an aghaidh a chrannchuir. Ach aig an am cha bu leir dha gu 'n robh doigh sam bith air a' chuis A leasachadh.

''Nach h-urrainn dhnit dad idir a's fhearr no so fhaotainn do Mhaireig," ars' esan r'a uihnaoi. ".Cha 'n 'eil doigh agam air," ars' ise lo h-osna. "Air cho saor 's 'g an ceann- 43,ich mi, 's air cho caomhanta 's 'ga blieil mi, is ganngur. h-urrainn dhomh an eiginii lahochd so fhein a chur eruinn."

Dh" eirich Domhull o'n "bliord agus thug e eeann eile an tighe air.' Thaiit a chridhe gu tur. Cha do cliuir e a' phiob air *glileus oir tlieirig an tombaca air, an raoir mar gu'm b' eadli. Bha aon pheighinn de dh' airgicd-odhar aige agus chuir e roimhe cho luath 's a bliiodh na ' brogan a bha 'na lan)han, deas, tombaca a cheannach 's an tigh- osda, air a dhol seachad a'dol dhachaidh leo. Ach an drasd 's a ritliist thigeadh Maireag fo 'aire. Chuir easlaint is uireasbhuidh na caileige luasgan air 'inntinn. Mu dheireadh bha na brogan uUamli agus le iotadh na pioba. ghreas -e dhachaidh leo, ach air an ratliad f aicear biith mhilseinean agus cuimh- niehear air Maireig. "Nach truagh nach b' urrainn dhonili rud dlie so a cheannach," ars' esan ris fhein, "ach cha ruig an dubh- bhochdainn air ' annas de'n t-seorsa so."

Chum e ' air- is- rainig e an tigh-osda a cheannaeh' an tombaca; ach aig an dorus, thainig-' e foiclhe a' cheud uair 'na bheatha srian a chur air ana-miannaibh. Ars' esan ris fein, "Gheiblieadh a pheig-hinn so mils- ean do Mhaireig ach ciamar a dheanainn feum gun tombaca an diugh 's am maireach. Tliug^e -greis an iom-chomhairle mar sin, air "an dara laimli a' faicinn iomhaigh Mair- eig is.'tuar a" bhai.s oirre, 's air an laimh eihv 'ga fhaicinn fein gu tromsanach gun to'fh pioba fad da latlia. Shaoileadh duine na'm l>iodh fior ghaol aige air a leanabh nach b' urrainn dha a blii an iom-chomhairle mu"n chuis. Bha gaol aig oirre gun teag-amh acli "an car a bhios 's an t-seana-mhaide, is duilich a tlioirt as." Duine a ni droch chleaclidadh dha fein mar a rinn Domhull, cha mlior nach 'eil e cho duilich dha ball., d'a choluinn a ehall ri dealachadh ris.

Bha an sgillinn aige eadar a dha miliar 's thug-i e ceum eile a dh' ionnsuidh an tigh- osda, ach thainig iomhaigh Maireig eadar e 's an dorus agus stad e. Ged nach Tobh aige ach an aon pheighinn ri chost, dh' eirich spairn nach bu blieag 'na inntinn. Bha gaol Maireig 'g a theumadh air an dara laimh is gaol an tombaca air an laimh eile. Nan robh da pheighinn aige cha bliiodh an deuehaiun cho cruaidh, oir cheannaicheadh e milsean leis an dara te, is tombaca leis an dara te eile. Ach cha robh, agnis cha robh doig-h aig air a' chuis ach e fein a bhi gun tombaca no Maireag a bhi gun mliilsein. Gun a' chuis a shoeruchadh aig,. an am sin, thiiirt e ris fein, "Chi .mi an ua'r a thilleas mi air m' ais," agus togar- air dhachaidh leis na brogan.

As a Ghaidheal.

4

■J.

Air 2.

1911.

UGHDAE AR SLAINTE.

Is ami mar &in a ghradhaich Dia an saoglial, gu'n d' thug e 'aon-ghin mhic fein chum is ge b'e neach a chreideas ann nach sgriosar e ach gu'm hi a bhe-atha shiorr- uidh aige. Eoin iii. 16.

Tha siun a toirt tarruing air na briathran so an drasd chum aire ar luchd leughaidh a shocrucliadli air firinn air a bheil moran dliaoine an diugh a' deanamh dearmaid, is e sin r'a radh, gm- li-e Dia an t-atliair ughdar ar slainte, agus gur h-e gradh Dlie an tobar as a bheil na h-uile blieannachdan spioradail a'srutliadh. Bha sinn a' leughadh o chionn ghoirid leabhar anns an robli duine tuigseacli ag innseadh gu saor na beachdan a blia aige fein air Dia 'nnair a bha e 'na bhalach. Bha e 'g radh gu'n robh dealbh 'na iuntiun air coltas Dhe, agus naoh robh an dealbh sin idir taitneach. Bha e |a' smuaineachadh air Dia mar sheann duine gruamach, gun aoibh air 'aodann no blaths 'na chridhe, deas gu daoine a ghlacadh ann am mearaehd. Acli bha e 'g radh nach b'e sin idir an dealbh a tharruing e air losa; bha e a' smuaineachadh air-san mar charaid caomhal a dhearbh a chaoimhneas 's a •ghradh do'n t-saoghal ann an doigh a bhean r'a chridhe. Bha am fear a sgriobh lan leabhar air a thogail ann an dachaidh dhiadhaidh, bha e air a theagasg ann an sgoil Shabaid, agus bhiodh e a' del do'n eaglais mar bliiodh daoine eile, ach dh' aidich e gur h-e a tharruing e as gach teagasg a fhuair e, gu'm b'e losa fior char- aid is Slanuighear an t-saoghail, 's nach b'e Dia. Faodaidh e bhith nach do rinn an duine so ceartas uile gu leir do'n teagasg a fhuair e, ach, aig a' cheart am, tha sinn an duil nach 'eil e leis fhein anns a' chuis so, agus gu bheil moran dhaoine a tha 'g eisdeachd ri teagasg na h-eaglais Chriosd- uidh, Sabaid an deigli Sabaid, aig a bheil na faireachduinnean ceudna. Ann an aon fhacal, tha gradh aca do Chriosd agus ni iad aoradh dha le 'n uile chridhe, ach cha 'n 'eil iad a' toirt urram no gradh do'n Athair

d'an do rinn losa fein aoradh. A reir am modh labhairt a chluinnear gu "bitheanta, cha 'n 'eil ach aon phearsa anns an Diadh- achd, agus is e .sin, losa, mac an duine. Tha e fior nach 'eil e furasda do dh' inntinn blieag an duine amhluadh is mearaclidan a sheachnadh an uair a dh' fheuchas e ri smuaineachadh air tri pearsachan a tha.

; dealaichte agus fhathast 'nan aon ann am beatha na Diadhachd, ach ged nach h-urr- aiun dliuinn a' chainnt anns a bheil creud

I na h-eaglais a' labhairt air an Trianaid a.

I thuigsinn uile gu leir, bu choir dhuinn,.

! co-dhiu, greim a dheanamh air an fhirinn

I so, gur h-ann o Dhia a thainig losa agus gm- h-ann ann an eridhe Dhe a thoisich

, run-tearnaidh an t-saoghail. Chuala sinn ioim-adh air dealbh a tharruing Papanach, chum solus a chiu- air obair nan gras. Tharruing- e iomhaigh Dhe le boglia 'na

'', lainili as an robh e a' tilgeadh shaighead air daoine a rinn ceannaire 'na aghaidh,

I agus tharruing e iomhaigh Chriosd le sgiath

j 'na laimh leis an robh e a' ceapadh, aig cunnart a bheatha, nan saighdean m' an ruigeadh iad an ceann-uidhe. Cuiridh an smuaiii gairisinn ann am feoil dhaoine cueasda, agus an aite a bhi cur solids air obair nan gras, tha an dealbh a' cur breige- air Dia agus a' labhairt toibheum an aghaidh an Athar chaomhail. Tha rud-eigin cearr anns an teagasg, ma ghiulaineas an luchd eisdeachd air falbh leo an smuain gu bheil Criosd na 's iochdmhoire no Dia. Cha 'n ann air sgath na h-oibre a rinn Criosd a thionndaidh eridhe Dhe ris an t-saoghal ann an gradh. Bha an obair sin air a deanamh a chionn gu'n do ghradhaich Dia an saoghal eheana. Cha b'e na thachair air Calbhari a dhuisg gradh Dhe do'n t-saoghal; b'e^ gradh siorriudh Dhe an t-aobhar gu'n dO' rainig Criosd Calbhari idir. Bha 'n gradh na bu shine no 'n tiodhlac. Cha 'n 'e obair Chriosd an t-aobhar ach an dearhhadh air gradh Dhe. Is e gradh an athar an tobar as an do shruth an t-uisge beo a fhuair an saoghal ann an Criosd. Ann a bhi toirt a mhic do'n t-saoghal thug an t-athair seachad a bheatha fein, ann an seadh fior.

Cha b'e tiodlilac nach do ehosd dad dha a thug e seachad ; thug e seachad e fein, agus ann an losa bha Dia air fhoilllseachadh anns an fheoil. An uair a their sinn gu'n d' thug Dia aon-ghin mliic do'n t-saoghal, is e a tha sinn a' ciallaehadh gu 'n d' thug- Dia e fein do'n t-saoghal ann an losa. Is e so a tha na h-abstoil uile a' ciallaehadh le eras Dhe. Ann an gras Dhe chunnaic iad mathair-aobhair obair na slaiute. B"e beath is bas is teagasg losa na meadhonan -anns an robh an gras sin air a nochdadh do 'n (t-saoghal, ach b'e gradh an athar shiorruidh an tobar as an robh an gras a' sruthadh.

Tha sinn an duil nach 'eil e chum moran feum do pharantan no do luchd teagaisg a bhi a' sior iarraidh air an cloiun no air an luchd eisdeachd Dia a ghradhachadh, agus gu 'm biodh e na bu bhuannachdaile dhaibh a bhi a' cur 'nan cuimhne an gradh a tha aig Dia dhaibhsan. B'e sin an doigh a gliabh losa fein ann an laithean 'fheola. Mur 'eil gradh aig- daoine do Dhia, is e an t-aobhar nach 'eil iad a' creidsiun gu bheil gradli aig- Dia dhaibh. Faodaidh e bhith gu bheil iad a' creidsinn ann an gean-maith Dhe do 'n t-saoghal anns an doigh fhuar anns a bheil iad a' creidsinn firiuueau eile nach d' fhairich iad, ach cha d' fhuair an emuain greim beo riamh air an cridhe. Is e dleasdanas na h-eaglais agus dleasdanas pharantan luaidh a dheanamh air gradh Dhe a-un sa-iu-, oir is e sin an doigh a's ciuntiche air gradli dhaoine, sean is 6g, a chosuadli dha-san a ghradhaich iadean an toiseach. lis e sgeul aoibhinn a tha anns an t-soisgeul, agus bu choir dhaibhsan a tha 'ga theag- asg anns an tigh, no anns an sgoil, no anns an eaglais, feuchainn ri maise Dhe a nochd- adh agus gradh Dhe ardachadh anns g-ach doigh a cheadaicheas an eolas dhaibh. Is e an luchd teagaisg a's fhearr, a reir ar beachd- ne, iadsan a ni Dia an t-athair ion-mhiann- aichte do chridheachan an luchd eisdeachd. Mur dean soisgeulaiehean sin, is coma dhaibh fein no d' an luchd eisdeachd ciod a their iad air cuspairean eile. Ma tha daoine ag altrum smuaintean oearr mu thimchioll Dhe, tha iad air seacharan anns an ni a's prionn- spalaiche anns a' bheatha spioradail, oir is e na beaehdan a tha againn air nadur Dhe clach - steidhe ar creidimli. Tha Dia na 's maisiche no clann nan daoine 's tha gradh Dhe do-rannsaichte, agus na'm b'urrainn an eaglais sealladh a thoirt do'n t-saoghal air Dia inar tha e, ann an iomlanaclid a mhaise agus ann am mend a gliraidh, thogadh na miltean an guth agus theireadh iad le gaird-

eachas Eiridh mi ague theid mi a dh' ionnsuidh m' athar.

Is e gradh Dhe aobhar ar gairdeachais ag;ts steidh ar dochais. Co an Dia ann a ta cosmhuil ris-san, a mhaitheas aingidheachd agus a ghabhas seachad air eusaontais a shluaigh, oir ar Dia-ne clia ghleidh e a chorruich gu siorruidh do bhrigh gur toigh leis trocair. Dealaichidh na sleibhtean ri 'm buuaitean agus atharraichear na beanntan as an aite, ach cha dealaich mo chaoimhneas riut-sa, 's cha 'n atharraichear comhcheangal mo shith, deir an Tighearna. Ghradhaich e sinn le gradli siorruidh agus le caoimhneas graidli tha e 'g ar tarruing. An ti nach do chaomhain a mhac, eionnus maille ris-san nach toir e dhuinn gu saor na h-uile uithean.

Is e am bas spioradail a bhi gun ehreid- imli gun earbs ann an gradh Dhe. Is e sin an aon pheacadli nach faigh maitheanas, am peacadh an aghaidli gradh Dhe. Tha iadsan a chuireas cul ris a" ghradh sin a' meudachadh bron Dhe, agus a' cur an suaraclias an ni a's maisiche 's a's iongan'- taiche air an cuala daoine no ainglean sgeul.

ANNS A' CHOILLE BHEITHE.

Air maduinn Diluain tha e mar chleachd- adh agam sgriob a ghabhail ann an coille bheithe a tha air cul mo thighe, agus ged a bliios mi, air uairean, a' toirt rabhaidh do dhaoine eile mu 'n inntinn fhalaimh, feumaidh mi aideachadh nach bi moran a' dol troimli m" inntinn fein aig- na h-amannan sin a's fhiach tigh'un thairis air. Bha fear . de 'm choimhearsnaich anns a' chleir ag inn- seadh dliomli o cliionn ghoirid gu bheil 'inntinn-san air ghleus cho maith 's gu'n teid aig-e air beachd smuaineachadh air nithean diomhair is domliain 'n uair a bhios e a' coiseachd an rathaid no ri obair anns an lios. Tha mo Charaid 'na ghairnealair sonruichte agus ma tha a shearmoin cho gasda ris na ceirslean call, 's na currain, 's na h-ubhlan a chunnaic mi 'na lios ann an deireadh an fhoghair, cha 'n 'eil aobhar gearain aig- a sliluag-h. Ach ged a tha farmad agam-sa ris an t-seorsa dhaoine a's urrainn an smuaintean a chur an altaibh a cheile an uair a bhios iad a' ruamhar an talanta no a' frithealadh do sheilleinean, dh" fliairtlioh e riamh orm da obair a dhean- amh aig an aon am.

Tuigidh tu uaith so, a leughadair, nach

I

I

lobli smuaintean eudthromaeh sam bith a' ruitli a'm inntinn-sa an viair a shuidh mi air a' mhaduinn ghriaiiaich so air stoc craoibhe far a blieil sealladh farsiiing agam air gleann clio aillidh 'sa tha r'a fhaicinn ann au Albainn air fad. Tha 'n geamhradh seachad; tlia am seiuu uau eim air teaclid; agus cha oliualas riamh aig Mod Gaidheal- aoh coisridh clio binn ris a' choisridh a tha togail nan luinueag auns a' choille bheithe so an drasd.

Tha coisridh mhuirneach nam pong lughor

Anns gaeh ur dhos uaigneach,

Air gheugaibh dluth nan duilleaoh ur ghorm

Cliuireadh sunnd fo 'n diianaig,

Le 'n ribheid ciiiuil gu foumhor dluth

Na puirt bu shiubhlaich ranntachd,

'S mac-talla freagairt fuaim am feadain

Shuas 's na creagan gleanntach.

Bu mliaith learn a chreidsiuu gur h-ann a chm? failte ua maidne orm a thog an ' lon- dubL a tha seinn air a' phreas ud thall a ghuth ceolmhor. Tha aobhar aige a bhi 'na m' chomain oir is trie a fhuair e a Ion o'm laimh air latha geamhraidh an uair nach biodh e furasda dha a theachd-an-tir fhaotainn air dhoigh eile. Tha e furasda gu leoir dhomli 'aithneachadh am measg cliaich, oir tha ite gheal ann am barr a sgeithe. Shaoileadh tu, an uair a thogas e fonu nan oran, nach robh riamh eun cho naomh no cho blatli chridheach ris air thalamh, agus theireadh tu nach biodh ^ comasach gu 'n tigeadh ceol cho neamhaidh a bodhig olc, ach is e an fhirinn nach 'eil anns a' chruiteir rijs a bheil mise ag eisdeachd le uireacl tiachd ach creutair feineil, mosach, cruaidh-chridheach. Mheall e mi gu mor. Cha 'n 'eil a lieithid de ni is truas 'na chridhe. An uair a chuirinn a mach air boun jia h-uinneig sbruileach arain, bha mi a' ciall- achadh gu 'm b'e Ian di - beatha gach eun beag air an robh an t-acras, a chuid a ghabhail de'n chuirm. Ach ged a bha barrachd bidh mu choinneamh an loin-duibh na b' urrainn dha a ohur 'na bhroinn, bha de shannt 's de dh' olc anns a' chreutair mhosach "s nach leigeadh e le bru-dhearg no glaiseun, no bricean-beithe an gob a chur air. An uair a dh' fheuchadh iad ri crioraadh fhaotainn, thogadh e a sgiathan agus le colg eagallach bhiodh e 'nan caramh gus am bu bhuidhe leo fasgadh fhaotainn anns an eidheann o chorruich na beisde. Cha do rinn righrean borb na h-aird an ear riamh lamhachas-laidir no ain-tighearn- as air au iochdarain na bu chruaidhe no rinn an lon-dubh so air na h-eoin eile. Ach

tliachair a sheise ris mu dheireadh. Tha coileach peucaig agam, agus tha e coltach gu'n do thuig esan mar bha cuisean. Cho luatli 's a chluinneadh e an uinneag 'ga togail thigeadh e, le ceum statail, a dh' ionnsiudh na euirme. Ghabhadh e a chuid fhein de na bha dol, ach ged nach cuireadli e dragh sam bith air na h-eoiu bheaga, cha leigeadh e leis au lon-dubh aon Jan- beoil a thogail. Cha 'n 'eil fios agam-sa ciod a bha am bru-dhearg 's am bricean-beithe ag radii riu fein, an uair a thainig an tionu- dadh ud air cuibheal au fhortain. oir cha do thuig mi an eainnt, ach bha e furasda gu leoir dhomh a thuigsinn ciod a bha an lon-dubh ag radh ris a' pheucaig, 'na shuidhe air stob ann an sealladli na euirme aig nach faodadh e siddhe. An drasd 's a rithist leumadh e os cionn na peucaig a' crathadh a sgiathan 's a sgriachail gu h-oillteil. Cha robh moran ciuil 'na ghuth 's cha b'e am port a b'fhearr a bha 'lia bheul. An uair a theid duine no beathach bharr a shiuil 's a tlioisicheas e air mionnachadh tha e furasda gu leoir a thuigsinn ciod a tha e ris, CO dhiu a bhios e a' toirt faochadh d'a dhroch nadur ann an Bemda, no Fraingeis, no Greugais, no Eablira, no eadhoin, ann an canain nan eun, agus bha guidheachan an lon-duibh air uairean cho gabhaidh 's cho .sgreataidh 's nach leigeadh mo naire leam-sa an cur sios air an duilleig so. Ach tha fuachd is acras a' gheamhraidh seachad, agus faodar maitheanas a thoirt do'u lon- dubh air sgath a' chiuil mhaisich leis a bheil e a' togail mo chridhe air a' mhaduinn so. Ged a tha mise a' faotainn maith nan dan a tha esan a' seinn, tha mi gle chinn- teach nach ann air sgath mo thoileachaidh a ghleus e ar ibheid, ach 'ga thoileachadh fein agus a chur an ceill gaol a chridhe do leannan air chor-eigiu a tha am folacli anns an doire. Bithear ag radh nach 'eil anns an lon-dubh ach piobaire an aona phmrt, ach cha 'n 'eil sin fior. Dh' atharraich e port ceitliir uairean o shuidh mise air an stoc craoibhe so, agus is e so fear de na puirt a sheinn e, facal air fhacal.

Bun a ghuib, air a ghuib, Barr a ghuib, air a ghuib Eun dubh air an nead Sheinn an Ion dubh Eun dubh, ho, ho, ho Gradli air na feadagan.

Tha mi gle chinnteach, a leughadair, gur beag agad-sa c'aite no ciamar a sgriobh mise an seanchas a bhios mi a' toirt dhuit ann an leabhar dearg na h-eag-lais. Ach

8

bu mliaith learn fios a bhi agad gu 'm bi mi, air uairean, 'ga sgriobhadh air an stoc cxaoibhe air a bheil mi an drasd 'na m' shuidhe auns a" choille bliig bhoidliicli so, agus gur li-e sin an t-aobhar gu 'm bi faoineas is goraiclie a' tuiteam o bharr mo pliinn naeli 'eil, a reir do bheaclid-sa, idir freag-arraeh do phearsa eaglais. Ach a dh' innseadh na firinn, cha 'n ann 'ga d' thoil- eaehd-sa a thug mi lamh air a' pheann an diugh ach 'ga m' thoileachadh fein, agus ged a chuir an lon-dubh mo smuaintean bharr an cursa car greis, tillidh mi a nis air m' ais a dh' ionnsuidh an ruin diomhair a bha 'na m' inntinn 'nuair a dh' iarr mi samhchair na coille bheithe air a' mhaduinn ghrianaich so. Ged is narach e r'a innseadh, chuir nii romham gu'u deanainn aoir.

Aoir, ars' thusa

'S eadh aoir, ars' mise

'S iomadh cearn a shiubhail mi

Agus ceum a thriall mi

Ach aoir am beul ministeir

Cha chuala duiue riamh e.

Feumaidh *mi innseadh dhuit gu bheil mi air mo sharachadh leis na radain, a tha an imf)is m' fhardach a chur fodhpa fein. Cha ruig mi leas mo ghearan a dheanamh ris a' chleir, oir tha na biasdan cho beag- narach 's nach toir iad ho-ro air lagh no bagraidhean na cleire. Thug bana-charaid choir cat dhomh ach tha 'n eat air fas neo- dhleasdanaoh, agus an aite bhi 'g oibreach- adh gu dichioUach air son a loin, eha'n'eil dad a' ruith 'na inntinn o thainig an t-earr- ach ach a bhi suiridh air cait Bhailuain. Tha e cho glan 'na bhian 's cho deas 'na phearsa ri cat 's an duthaich, ach cha 'n 'eil e idir coguiseach, 's cha 'n 'eil ann ach ramailear gun f Ileum.

Ann an toiseach a' gheamhraidh cha robh mu 'n cuairt mo thighe ach aon radan, agus ged a bu choma leam ged bhithinn as eugmhais stairirich an fhir sin fhein, cha do ghabh mi moran umhail dheth oir bha e 'na chreutair car ciallach aig an robh urram do 'n t-Sabaid. Mu Shamhuinn dh' fhao- e mi agus chaidh e air imricli air chor-eigin, ach air la Fheill Bride thainig e air ais, agus ma thainig, cha b' ann 'na aonar. Tha bean is clann is oghachan aige a nis, aguis is e sin an teaghlach gunsmachd. Eadar biogail is gearradli-leum is stairirich is iorghuill nam biasdan, bha e cho mhaith dhomhsa an tlgh fhagail aca fhein, oir dh' fhogair iad gu buileach an t-sith 's an t-samhchair a bha riaghladh anns an tigh so. Ma bha urram aig an t-seann fhear

do'n t-Sabaid, cha 'n 'eil sin aig an oigridh- agus is e oidhche na Sabaid an aon oidhche aca airson cuirm is fleadhachas. Tha amh- arus agam gu bheil iad a' toirt ciureadh do gach radan eadar Bruar is Ceann na Coille tigh'nn air cheilidh orra air oidhche na Sabaid, agus cha 'n e sin ceilidh nan uaislean. Cha bhi iad fada comhla 'nuair theid an eeol air feadh na fidhle "sa theid na seoid air mhire chath. An raoir ghabh iad an cuthach gu buileach.

Bha mo dheagh charaid, ministear Dhubli- rais, 'ga m' amharc o chionn ghoirid agus air dhomh innseadh dha mar bha sith mo thighe air a milleadh leis na radain, thuirt e rium. Dean thusa aoir dhaibh agus cuiridh sin teicheadh orra. Aoir, arsa mise! 'S eadh, aoir, ars' esan.

Tha ministear Dhubhrais anabarrach fios- rach air seann nithean, agus dh' innis e dhomh gu'n d' fhuair na h-athraichean glic a maeh o chionn nan ceudan bliadhna nach seas an radan a's dalma ri aoir, agus gur fearr leis dol troimh theine 's troimh uisge seaeh eisd- eachd ri rannan anns a bheil fochaid air a dheanamh air fhein. Cha b' urrainn dha innseadh dhomh ciod a's aobhar de'n ni iongantach so, ach bhoidhich e gur h-e smior na firinn a bha e a' labhairt, agus dh' aithris e dhomh rannan leis an d' fhuadaich fear a bha ann am Baideanach na radain o shabhal Bhiallaid gu Dailnaspideal, agus rannan eile leis an do chuir Pear Srath Mhathaisidh sgaoth dhiubh a thoirt lom-sgrios air osdair nach bu toigh leis an Dun-Cliaillinn. Cha 'n 'eil cuimlm' agam-sa ach air aon rann de na cliuala mi

Ma ghabhas sibh mo chomhairl', radain, Truisidh sibh oirbh is bidh sibh falbh.- Ma theid mis' a dheanamh aoir dhuibh, Cha bhi aon agaibh gun chearb.

Cha do sliaoil mise gu'n robh faireachd- uinnean maoth is tiom aig creutairean cho olc ris na radain, ach tha creideas agam ann am facal 's an gliocas mo charaid, agus an deigh na gleadhraich 's na h-upraid a rinn iad an raoir, chuir mi romham nach rachadh grian eile fodlia gus am faigheadh iad an diomoladh ann an Gaidhlig chruaidh,. Thirisdeach. Their thusa rium, a leughadair, gur suarach an obair e do dhuine glic a bhi 'na shuidhe air stoc craoibhe air maduinn Diluain a' deanamli aoir. do radain. Tha mi gle choma ciod a their no shaoileas tu, ach ma tha eifeachd anns' an leigheas a thug mo dheagh charaid dhomh-sa, eha'n'eil radan anns a' bhaile so nach bi 'earball air- a fi'hualainn a nochd a' deanamh air Peairt .

■al

Air 3.

1911.

D' AR LUeHD LEUGHAIDH. An toiseach na bliadhna dh' iarradh oiinn a radh nach biodh na duilleag-an Gaidhlig so air an cur a mach ach uair 's an raidhc an aite uair 's a' mhios. Ach aig an Ard Sheanadh mu dheireadh rinn an eaglais ath- chomhairle, 's dh' iarradh #irnn a radh a nis gu'm bi Gaidhlig- air a toirt dhuibh a h-uile niios mar b' abhaist. Ma tha sibhse toilichte leis a so, cha 'n 'eil sinne diumbach. Cha robh sinne aig an t-seanadh am bliadh- na; ach ma 's fior na chuala sinn, h' o ministear a' Ghearasdain a bu duine 's bu dithis ag iarraidh na Gaidhlig air ais. Thog e fein is ministearan Gaidheakch eile an guth an aghaidli nan duilleagan so a thoirt uapa, agus dh' cisd at.hraichean na h-eaglais r'an comliairle.

AN T-OLLAMH COINNEACH MAGCOINNICH NACH MAIREANN.

Thainig a' chrioeh gu h-aithghearr air an duine choir, seann mhinistear Ghinnghius- aich, air an deicbeamh la de'n mhios a chaidh seachad. Is beag a shaoileadh duine sam bith a cliunnaic e ann an Duneideann aig am an t-Seanaidh gu'n robh a' (^lirioeh cho dluth. Bha e anns a' ehathair aig cruinn- eacliadh mor de na Gaidheil agus bhatar ag radh air gach laimh nach facas riamh e ann am fonn a b' fhearr. G^ed bha e os cionn ceithir fichead, 's a bha neul na h-aoise a' toiseaehadh air luidhe air aodann, bha chuimhne 's a mheomhair cho mhaith 's a bha iad riamh, 's cha d' thainig failinn air cuimse fhacail. Ma 's maith ar cuimhne, is ann dha a bhuiueas an t-urram, a' clioinn- eanili bhliadhnail a tha aig ministearan is foirbhich na Gaidhealtachd a chur air chois, agus cho cinnteach 's a thigeadh an latha bhiorth e fein air cheann na cuideachd. Aig a' mhionaid mu dheireadh am bliadhna ghabh e a' chatliair aig- a' chruinneacliadh so an aite fir eile, agus, mar b' abhaist dha a dheauamh daonnan, thagair e as leth na Gaidhealtachd le h-eud is sprachd. Is beag a bha duil aig na bha lathair gu'n robh iad ag eisdeachd r'a bliriathran deireannach; ach cha robh e idir neo-fhreagarrach gur h-ann aig a' chomhdhail ud agus air a' cheart chuspair air an robh e a' labhairt a chluinneadh an eaglais a ghuth airaon na h-uaire deireannaich. Beagan uine an deigh dha del dachaidh bhual am bas as a sheas- amh e.

Tha sinn duilich nach robh uinc

againn iarraidh air cuid - eigin d' am b' aithnc e na b' fhearr no b' aithne dhuinn fein eunntas a thoirt air a bheath is obair d'ar luchd leughaidli. Ach g-ed nach g-abhadh sin deauamli, cha bu mhaith leinu gu'n. rachadh an aireamli so a mach gun iomradh goirid air choreigin air an duine ghasda so a rinn. gu reidh, samhach, obair fhiachail ann an aobhar an Tighearna 's a Ghaidhealtachd . Rugadh e an 1829 ann an :Lochcarran far an robh 'athair 'na mhinisteir, agus an deigh has 'athar, shuidhiehoadh e fein anns an sgireachd sin. Dh' fhag a" mhor chuid- eachd de mhuinntir Lochcarran an eaglais; steidhichte ann an 1843, agus bha coimth- ional Mhic Coiunich cho beag 's gu'n robh e car greis ann an iom-chomhairle co-dhiu a dh' fhanadh e an Lochcarran no rachadh e do dh' Asti-alia no de cliearn air chor-eioin far am faigheadli e obair duine ri dheanamh. Chuala sinn e 'g radh aon uair " Ged nach robh mo thuara-sdal mor bu mhaith leam fhaireachduinn ^u'n robh mi 'ga chosnadh gu h-onorach, agus a chionn nach robh iarrtus sam bith aig an t-sluagh air mo shaothair mar mhinistear, 's nach robh m' obair anna an sgireachd trom, chuir mi romham gu'm feuchainn ciod a ghabhadh deanadh anns na sgoilean." B'ann mar so a thoisich e air an uigh sin a ghabhail ann an sgoilean na Graidhealtachd nach do chaill e gTis an latha mu dheireadh d'a bheatha. Cha b' urrainn dha bhi diomhaineach ; bha e gu nadurra easgaidh, durachdach 'na spiorad agus gun leisg ann an gnothuichean ; agus m'an d' flrng e Lochcarran bha aobhar aig an oigTidh a bhi 'na chomain. Ann an 1867 ghaii-meadh e do sgireachd Chinnghius- aich far an do chuir e seachad an corr d'a laithean. Tha sgoil an diugh anns a' bhaile bheag sin nach 'eil fad air dheireadh air na sgoilean a's ainmeile 's na bailtean mora, agus is ann do 'n Ollamh Mac Coinneach a bhuineas a chliu sin. Cha 'n e mhain gu 'n do rinn e maith mor do Bhaideanach 's do shiorramachd lonaruis anns an doigh so, ach rinn a tliagar 's a ehomhairle feum nach beag do'n Ghaidh- ealtachd uile, oir bha earbsa -aig luchd- riaghlaidh is maithean na duthcha 'na ghliocas 's 'na fhiosrachadh, agus bheireadh iad daonnan eisdeachd dha 'uuair bha gnothuch sam bith a bhuineadh do sgoilean na Gaidhealtachd r'a cheartachadh . Cha robh brocair riamh air lorg sionnaich a bu gheire suil 's a bu ghlainne cuinnein no ministear Chiunghiusaichfc 'nuair a bu mhaith

10

leis forfliai^ fhaotainii air balaich tliapaidli A b' fhiacli an cumail air aghaidh ami an sgoil. Bha e 'g an cruinneaehadh as gach cearn de 'n Ghaidhealtachd, o Bhuta Leogh- -ais gu Maol Cliinatire, agus faodar a radh gu'n robh e do'n oigridh sin car coltach mar bha Eliah do mhic nam faidhean. Chithear ann an eaglais Cliinnghiusaicli air laimh dlieis na lobhta buidheann de sgoil- -earan oga a dli' fhaodar a choimeas ri ' mic nam faidhean' ann an Gilgal. Is ann as .am measg sin a thainig moran de na min- istcaran a tha air feadh na Gaidhealtachd an diugh.

Cha robh eaglais Chinnghiusaich aeh gie lag 'nuair a ishuidhicheadh e innte; ach uigh jxr n-uigh, chruinnich e coimhthional gus a bheil an eaglais an diugh faisg air a blii lau. Tha e gle bhitheanta a' tach- airt nach fheairrd a sgireaohd fein e, ma thoisicheas ministear air gnothuichean a ^habhail os laimh an taobh a muigh dhi, ach cha b' urrainn muinntir Bhaideanach sin a radh mu'n Ollamh Mac Goinnich, 's cha inlio a theireadh iad e. Bha meas mor aca aij', 's cha robh uair riamh a bha sinn ann .an seanchajs ri feadhainn dhiubh nach tugadh iad greis air moladh am ministear 's air innseadh dhuinn nach robh sean no 6g anns an saireachd nach b' aithne dha. Bu choma leis CO dhiu a bhuineadh daoine d'a choimh- thional no nach buineadh ; blia e daounan deas gu caoimhneas a nochdadh is comhstedh a dheanamh dhaibh. Bha e anabarrach glic, -crionna, g-eur; Ian tiiir is toinnisg ann an nithean aimsireil, agus is iomadh duine nach buineadh d'a choimhthioital a rachadh a chur a chomhairle ris os iosal. Bha c«ann maith air, 's bha fios aig an t-saoghal uile nach bu iea-sg leis dragh a ghabhail, agus gu'm b' fhiach a bharail a faotainn. 'Nuair a bha a choimhthional fein a' cur failte air aig fleadhachas a rinn iad air co-ainm an la anns an robh e coig bliadhna fichead posda, b'e so cuid de 'n fhailt a chuir iad air " Bu mhaith leinn innseadh dhuibh cho mor 's a tha sinn 'n ur comain airson an durachd ^s an dilseachd leis an do ghiulain sibh sibh iein anns an obair naomh anns an do shaoth- raich sibh cho fada, agus air son 'ur dichill anns gach ni a bhiodh chum leas is soirbh- •oachadh sluagh na sgireaohd so." Cha b' urrainn e cliu a b' fhearr fhaotainn no gu'n abradh a choimhearsnaich 's a shluagh fein sin uime, agus faodaidh sinne a'chuis fhagail mar sin.

Cha b' aithne dhuinn duine eile a bu «h6ire; 'na thigh fein. Bha e daonnan Jiunntach, deas is abhacach 'na fhacal 's na dhoighean. Bha e gu nadurra 'na dhea^h «heanchaidh ; bha cuimhne mhaith aige ;

cluinnaic is chual e daoine is nithean a b' fhjaeh tigh'nn thairis orra ; agus 'nuair a raehaxih e an ceanu seanchais cha b' uallach eisdeachd ris. Cha robh dad a bha dol air aghaidh o thigh Iain Ghreota gu Dun- eideann nach robh fios aig air, agus ma bha an dotair air ghleus maith 's cha bu bhitheanta leis a bhi air atharraehadh dh' fhaodadh am fear a rachadh air cheilidh air a bhi cinnteach gu 'm faigheadh e moran fiosrachaidh, agus, air uairean, seudan glioc- ais, ach, daonnan, iomadh ni a bheireadh gaire air. 'Na dlioigh reidh ehiallach fein bha e 'na shearmonaiche maith an Gaidhlig 's am Bciu'la, ged nach robh fileantaclid a bhiiatliran idir cho cinnteach ri - g-eiread is soilleireachd 'inntinn. Cha 'n 'eil iongantas ged tha criochan Bhaideanach a' deanamh caoidh air a shon, oir chaill iad ministear maith is fior fhear duthcha. Is fhad a bhios cuiniline air an duine choir.

SEANN NITHEAN.

Air dhomli na nithean a ta air mo chul a dhicJiinmhneachadh, etc. Philip, iii. 13.

An uair a thoisich Pol air an litir so a sgriobhadli gu eaglais Philippi, tha e coltach nach robh e a' ciallachadh gu 'm biodh i cho fada 's a tha i. Thujo' e ionnsuidh air sgur aig deireadh na dara caibideil agus bha na h-earailean deireannach direach air barr a phinn 'nuair a chuir rud-eigin stad air agus b' fheudar dha an litir a chur seachad aig an am. Cha 'n urrainnear a radh c'uiu a thill e rithe co dhiu a rinn e sin lan ceann beagan mhionaidean no an ceann seachduinn aeh tha e soilleir gu'n cual e rud-eigin m'an do thoisich e a rithist a chuir a smuaintean bharr an cursa; oir, an aite criochnachadh mar bha e a' ciall- achadh a dheanamh an toiseach, tha e a'toirt tarruing air cuspair ur agus a' toirt deannal air a sheann naimhdean, no mar thubhairt e fein, coin is droch luchd-oibre. Faodaidh e bhith gu'n d' innseadh dha gu'n robh iad sin a' deanamh aimhreit agus a' feuchainn ris na creidmhich a thaladh air falbh o shoisgeul nan saor ghras a shearmonaicli esau, gu cleachdannan ludhach is cuing na daorsa. Sliaoil Pol gu'n d' thug e cheana buille-bhais do'n t-seorsa teagaisg sin, agus gu'n do steidhieh e buill na h-eaglais gu daingean anns an t-saorsa leis an do rinn Criosd saor iad ; ach air dha a ehluinntinn gu'n robh iad a' togail an cinn as iir chunn- aic e gu'm bu ghlic dha muinntir Philippi a chur 'nan earalas orra. Is e isin an t-aobhar gu bheil e a' toirt tarruing air timchioU- ghearradh anns an litir so. Tha e a' cur

11

"nan cuinilme nach i-uig iacl a leas miiing'liin a cliur 'san flieoil no an dochas a cliur ann an oibricliean an laglia; aeh .air eagal g-ii'ni faodadh cuid de na creidniliicli <lroch bhuil a dheanamh de 'n teagasg sin ^lainte tre chreidinili 's clia 'ii ann tre oib- richean tha e a' cur 'nan cuimhne mar an ceudna gii 'm feum iad an creidimh a dhearbliadli le toradh na diadhaidheachd, le •dnnea>s ann an naomliachd, agns le eolas air Criosd is cninliacbd 'aiseirigh.

Am buanai<'h sinn gu dan 'n ar cioiit' Blirigli sacjibhreas grasa Chriosd, Nar ieigeadli Dia gu 'm faigli gu brath, An smuain so tanih 'n ar cridli'.

Chum cudthrom a thoirl do na li-earailean sin, agus muinntir Philipjn a blirosnuchadh gu dol air an agliaidh anns a' bheatha spior- adail tha Pol ag innseadh dhaibh mar tha cuisean d'a thaobli fein. Mar gu'n abradli ■0 Ma tha sibhse an duil gu bheil sibh ■cheana iomlan 's nach ruig sibh a leas an luilleadh spairn a dheanamh, cha 'n e sin <lhomhsa. Tha mi fada o iouilanachd : tha 'm peacadh ag iathadh umam : tha mi astar mor 0 cheann mo reis : agus is e an aon ui a's urrainn mi a radh agus an aon <lochas a tlia agam, gu blieil mi le dilseachd is dicliioll a' cumail romham 's a' cumail uio shiil air a' chomharra, air dhomh na nithean a ta air mo chid a dhichnimhneach- ■adh.

Ged ]iach 'eil e ceart, ann am mineaehadh nan sgriobtur, samhlaidhean a gliabliail cho litireil 's a ghabhas an luclid lagha briath- ran tiomnaidh, no cudthrom a chur air facail nach do chuir am fear a sgriobh iad orra, tha sinn an duil, aig a' eheart am, nach toir sinn ana-oeartas sam bith do theagasg Phoil ma ghabhas sinn na briathran so ann an seadh a's farsuing-e no an seadh anns an do chleachd esan iad, agus ma ni sinn feum dhiubh aig an am so gu bhi a' cm' an cuimhne ar luehd leughaidh nach coir do dhaoine leigeil le 'n smuaintean socruch- adh gun sgur air an seann chionta 's air an seaun pheacanna, ma tlia sin a' milleadh an sitli agus a' toirt uapa am misnich. An uair a shuidheas duiue sios ann an searbh- adas spioraid fo sgaile seann pheacadh air chor-eigin a tha maille ris 'na chadal 's 'na dhusgadh, is e deireadh a' ghnothuich, gle bhitheanta, gu n tig an lionn-dubh air 'inntinn 's gu'n tuit e ann an diobhail mis- nich as nach bd c idir furasd a tliogail. Tha seorsa dhaoine ann agus is e an caoimlineas a b' fhearr a b' urrainn dhuinn a dheanamh riutha, comas a thoirt dhaibh seann uitheau a tha cur dragh orra a dhichuimhneacliadh, dorlach dhuilleag a ghearradh a maeh gu

buileacli a leabhar am beatlia, agus an iuchair a tliionndadh ann an cuid de sheom- raiehean an cuimhne air chor 's nach b' urrainn dhaibh dol a steach gu brath tuill- eadh do na seomraiehean sin a tha Ian de chnamhan dhaoine marbh. Tha e iior nach 'eil feum sam bith aig a' mhor chuideachd de'u t-sluagh air comhairlean de 'n t-seorsa so, oir cha 'u 'eil am peaeanna a' cur dragh sam bith orra; agus ged a ni iad pucoir dichuimhnichidh iacl i cho hiath 's a dhi- chuimhnicheas iad aislingean na h-oidhche; ach cha 'n ann ris a' mhor chuideachd a tha sinn a' labhairt aig an am so ach riusan aig a bheil coguis mhaoth is cridhe tiomach; agus theireamaid riutlia, ma tha seann pheacadh sam bith a' luidhe gu trom air an spiorad, gur e an gliocas dhaibh an inntinn a thogail dh-etli gu buileach agus gu luath, facal Dhe a chreidsinn gu blieil esan a' toirt . maitheanas dhaibh gu saor, agus an aire a shocruchadh air uithean a thogas an dochas agus a dh' uraicheas am misneach. Tha sinn Ian chinnteaoh gur e so a theireadh Criosd riu. An uair a blia e air an talamh thugadh d'a ionnsuidli bean a bha ciontaeh de pheacadh eagallach; ach an aite losgadh oirre le corruioh, no peanas is dioghaltas Dhe a mhaoidheadh oirre mar dheauadh na Pharasaich, is e thubhairt e, Cha 'n 'eil mise 'ga d' dhiteadh : imich romhad, agus na peacaich tuilleadh. Mar gu'n abradh e Tha na riuucadli deanta 's cha 'n 'eil feum a nis a bhi bruidhinn air, tlia mise ann an ainm Ulie a' toirt maith- eauais dhuit: tilg na seann nitliean seaohad agus toisich air do bheatha as ur.

Is e an t-aobhar gu bheil e cho duilich do mhorau dhaoine na uithean a tha air an eiil a dhichuimhneachadh nach 'oil iad a' creidsinn 'nan cridhe gu bheil maith- eanas Dhe cho saor 's cho farsuing 's a tha am BiobuU a' teagasg. Tha gu leoir de mhuinntir an t-saoghail a' toirt sith is clos d' an anam le bhi ag altrum na smuain nach 'eil Dia idir cho fuathach air peacadh 's a dh' innseadh dhaibh le diadhairean, lagus nach 'eil ann ach amaideas a bhi 'n duil gu bheil moran suim aige do chreutair cho suarach ri mac an duine. Tlieir iad 'nan cridhe nach 'eil an dara cuid maitheas no di-maitheis mhic an duine ach 'na ni beag ann an sealladh neimh, agus, co-dhiu, nach cuir am peacanna-san dragh air neach a tha cho fada uapa 's cho fada os an cionn ris an Dia uile - eliumhaehdaeh aig a bheil nithean a's motha 's a's cudthromaiche ri dheanamh seach a blii smuaineachadh air gach aon de chloinn nan daoin a dh' fhaodas dol air seacharan. An uair a thoisicheas daoine air smuaintean faoine de'n t-seorsa ein altrum, cha 'n fhada gus an toir iad

12^

orra fein a chreidsinn nacli 'eil aim an Dia acli neacli naeli dean maith no olc, iieacli nach 'eil dad na 's naoimhe no tlia iad fein, .agus a cliaogas a sliuil ri eucoir. Tiia iadsan aig' a btieil a' leithid so de blieachdan ann an staid chnnnartaicli, ag-iis faodar a radh le soluimteachd gii bheil iad a' toirt toibheim do'n spiorad naomli. Cha 'n e sin an Dia a dli' fhoillsieh e fein o shean do na faidhean 's do ua h-abstoil agiis (inns na laithean deireannach tre a Mhac. Tha naomhachd Dhe mar theine loisgeacli ague tha a ghnuis gu brath an aghaidli a' pheacaidh, ach tha a throcair cho eaoMih 's gu 'n toil' e maitheanas do pheacaieh nacli faigh maitheanas o dhaoiiie. Tha e duilich do dh'iomadh dnine so a chreidsinn : tha e duilich dhaibh a chreidsinn gu 'n tig maitheanas cho saor o Dhia cho naomli, agus a chionn gu bheil iad a' tomhas Dhe le toimhsean talrahaidh, an uair a bhruchdas an seanii pheacanna 's an eionta a steach air an iuntinn, tha iad gun mhisneaeh gun dochas. Bhiodh e chum buannachd dhaibh sin, an aire a shocruchadh air na h-earraunan sin de'n Bhiobull anns a bheil na naoiinh aig an robh fiosrachadh pearsonta air caoimhneas is trocair an Tighearna ag inn- seadh ciamar a thog Dia suas iad. Cha l)hiodh iongantas ged cliumadh a pheacanna cadal na h-oidliche o Dhaibhidh, oir bha iad trom is graineil; ach fliuair Daibhidh maith- eanas agus air dha na nitliean a bha air chul a dhichuimhneachadh rainig e airde ann an eolas Dhe nach do rainig raoran roimhe no 'na dheig-h. Agus dh' fliag e ag-ainne teisteanas air trocair is maitheanas an Tighearna a bu choir misneach nihor a thoirt do 'n t-seorsa dhaoiiie air a bheil sinn a' labliairt, daoiiie aig nach 'eil solus no dochas a chionn gu bheil droeh ghniomh a finn iad uaireigiii a ghnath maille riu mar gu 'm biodh trom-lighe a tha milleadh fois am beatha. Clio fad 's a tha an aird an car o'n aird an iar, arsa Daibhidh, cho fada siu chuir Dia uainn ar n-eusaontais. Oir mar tha na neamlian ard os cionii na tal- mhainn, mar sin a ta a throcair mor d' an taobh-san d' an eagal e. Salm ciii. Thigibh a Ills agus tagramaid li eheile, deir an Tigh- earna; ged robh 'ur peaeanna dearg mar an sg-arlaid, bidli iad geal mar an sneachd : ged robh iad dearg mar chorcur, bidh iad mar olainii. Imiah i. Is e so an coimh- cheaiig-al a ni mi ri tigh Israeli anns na lailhean deireannach, deir an Tighearna, ...'.. maithidh mi an aingidheaclid agus cha chuimlinich mi ni 's mo an eionta. leremiah xxxi. 34. Tha aon a's airde no oadhoin an salmadair 's na faidhean a' labh- aii't na ceart theachd-aireaclid so ruinn ann

am briathran caomlial. An ti a thig a'm ionnsuidh, cha tilg mi air chor sain bith a mach e. Eoin vi. 37. larradh, mata, iadsaa a tha 'nan suidhe gu dubhach fo sgaile sheann pheacanna nach g-abh leasachadh a nis iarradh iad is gabhadh iad ri maitheanas Dhe gu saor agus le irioslaehd, dichuimh- nicheadh iad gu buileach na seaiin laithean is cuireadli iad seann nitliean air chul, agus siueadh iad iad fein le deagh dhochas chum a' chala a dh' ionnsuidh a bheil Dia 'g an gairm.

Ged a labliair sinn mu bhriathran Plioil anns an doigh so, tha fios againn nach e idir an t-olc ach am maith a riiiu e fein a bha e a' dichuimhneachadh, agus gur e an fliior smuain a bha 'na inntinn aig an am nach roljli e fhathast toilichte leis an ire a dh' ionnsuidh an d' thainig^ e anns a' bheatha spioradail. Na 'nrobh Pol toilichte le staid fein, cha bu mhaith an comharra sin air, oir is e iadsan a's fhaide o iomlanachd a shaoileas gu 'n do rainig iad elieana. Bha Pol 'na dhuine na bu turaile no gu 'n labh- radli e air an obair a riiin grsis Dhe aim mar gu'm b' obair blieag i. Bha fios aige glc mhaith gu 'u d' fhuair e eolas air run- diomhair Dhe nach d' fhuair moran, agu.s- gu 'n do thagh Dia e chum obair mhor a dlieanamli anns an eaglais. Bha fios aige gu 'n robh fas is cinneas a tigh'iin air ann an croidimh, an eolas, an end, an irioslaehd, an gradli, an naomhachd, mar bha na bliadhnachan a' dol seachad, ach an aite uaill a dheanamh as a sin tha e 'na cheart dooin a' tionndadh inntinn air falbh o na nitliean air an do rainig e clieana a dh' ioniisuidh naomhachd is niais^o na tiro a bha fhathast ciaa fad as. Cha b'ann air a' gliras a fhuair e ach air a' gliras a bha dhitli air : cha b' anil air an obair a rinn e ach air an obair a bu mhaith leis a dheanamh a bha Pol a' cumail a shul. Theiieadh daoine eile, 'nuair a tlioimhseadh iad Pol riutha feiti, nach robh annta-san ach leanaban ann an eolas spioradail an coimeas ris-san. Ach cha b'e sin na toimhsean leis an robh Pol 'ga thomhas fein. Sheas e ann an .solus Chriosd agus b' aitline dha nach d' tliainig e fathast chum an duine iomlain no gu tomhas airde lanachd Chriosd.

Is e a'chrioch araidli ann an naomliachadli an anma gu 'm biodh an duine air 'atli- nuadhaehadh gu h-iomlan a reir iomhaigh i Dhe. Tha an obair so mor is duilich is fadalach, agus eadhoin anns na iiaoimh a's airde, cha bhi i criochnaichte aig uair am bais. Ach is obair i a's fliiach lamh a chur innte. Ma tha 'n t-slighe fada 's an ratliad duilich tha ar Maighstir caomhal 's an duals cinnteach.

i

■1.

i

Air 4.

1911.

DUINE SAOGHALTA.

Aijiifi thog Lot suas a shuilean, agun chiinnaic e gti 'n rohh cbmhnard lordain uile air uisgeachadh gii niaith, mar ghar- adh an Tighearna ; agus tliagh Lot dha fein r.bmhnard lordain. Genesis xiii. 10.

Is e Lot 's a sheorsa a blia aig Griosd 's an t-sealladh an uair a labhair e mu dhaoine a dh' ei.sdea>i li facal Dlie ach ' a ta ro churam an t-.saogiiail so, agiis meallt- aiveaclid saoiblireis, agus ana - miannan uitliean eile a' teaclid a steach, agus a' tachdadh an fhacail agus uithear neo-tliorach e."

TJia e coltach gu 'n do shoirbliich an saoghal le Abraham is mae a bhrathar anns au Eiphit, oir tliainig iad air au ais le maoin mhor; agus thatar a' leugliadh, an uair a thainig iad gu Betel nach giulaineadli am fearann an cuid spreidlie leis clio lion- mhor 's a bha iad. An uair a chunuaic Abraham mar bha cuisean, 'k a chual e mu 'n iorghuill a bha am buachaillean a' deauamh mu choraiehean feoir is uisge, thuirt e ri mac a bhrathar gu 'm b' fhearr dhaibh, air ghaol sith is reite, am fearann a roinu. An aite croinu a thilgeil, no an gnothuch a shocruchadli le litir an lagha, tliairg e gu h-uasal do Lot a roghainn a ghabhail de na bha m'a choinneamli " nia theid thusa a dh' iounsuidli ua laimlie clithe, theid mise a dh' ionu-iuidh ua laimhe deise; agus ma theid thusa a dh' ionusuidh ua laimhe deise, theid mise a dh' iounsuidli ua laimhe clithe." Tha seorsa dhaoine ann cho giouach, 's (3ho beag-uaracli. 's eho g-aolach aii' cluip- eig 's uacli leasg leo am feum fhein a dhoanamh de dhaoine coir, reidli, leis nach b' fhiacli a bhi daounan a' seasamh air an coraichean. B' ann dhiubh sin Lot. An aite urram na h-aoise a thoirt do bhrathair 'athar, ghabh e an eothrom a fhuair e gu ]i-ealamh, agus tliagh e ua machraicheau iosal a bha air an uisgeachadh mar ghai'adh an Tighearna. Ma bha sluagh nam mach- raifhean aingidh, bha am t'eur maith, agus dh' fhag Lot Abraham air mullaichean lom Bhetoil 's shuidliicli e a bhuth aig Sodom. Chaidh na bliadhuachau seachad. Bha Abraham a' sior eadar-ghuidheadh ri Dia as leth caoraich chaillte bailtean a' cliomh- naird, agus faodar a bhi cinnteach gur h- iomadh urnuigh dhuiachdach a chuir e sua^j

mar an ceudna as leth mac a bluuthar, ach rainig aingidheachd Shodoim a' leithid de dh' airde an latliair an Tigliearna 's nach robh dhaibh tuilleadh ach dull eagallach ri breitheanas agus fearg theinuteach. Tha am fear a sg-riobh leabhar Ghenesis a'tigh'nn tliairis anns an naoieamh caibideal deug air rud no dha aun an eachdraidh Lot nach 'eil iios againu ciod a their siun riutha, ho ciod an cudthrom a's coir dliuiun a thoirt dhaibh. Faodar a bhi cinnteach nach cuir- eadh e sios na nithean sin mur biodh e an dull gu 'n cuireadh iad solus, an da chuid, air nadur Lot is cliu muinutir Shodoim. agus air cursa freasdal Dhe. Ach a chionn nach 'eil fios againn ciod an doigli aims an coir dhuinn na naigheachdan sin a ghabhail, co dhiu a ghabhar iad gu litireil no gu samh- lachail, fagaidh siun iad mar tha iad, agus leigidh sinn le ar luchd-leughaidh an gabhail ann an doigli sam bith a chomhairlicheas an tur 's an ciall fein daibh.

Thug teaehdairean an Tighearna rabhadh do Lot am baile fhagail gu grad agus- gach duine a bhuineadh dha a thoirt leis. Einn a dhilsean fanoid air, 'nuair a dh' innis e dhaibh mar bha ri tachairt ; agus air a' mhaduinn air an do sgriosadh lam baile rinn Lot fein moille. Bu eheum air ghaig leis Sodom fhagail, oir an t-aite anns an robh 'ionmhas, is aun au sin a bha chridhe. Biia cridhe Lot ann an reamhrachd a chruidh 's ann am feuraeh a' chomhnaird, agus coltach ri daoine eile, bha e duilich leis dealachadh ri nithean anns an robh a shuil 's a chridhe, ged bha Ian fhios aige gu'm b'e an gliocas dha sin a dheanamli. Ach bha teaehdairean au Tighearna caomhal, agus rug iad air laimli air fliein, 's air a mhnaoi. 's air a dhithis uighean, agus thug iad a mach iad as a' blxaile, ag radii ris, Teicli air son t-annia agus na stad 's- a' chomhnard, teicli do'n t-sliabli air eagal gu'm millear thu.

Ann an solus na dh' iuuis am fear a. sgriobh leabhar Ghenesis dhuinu mu bheatha. Lot, cha 'n 'eil e duilich a thuigsinn ciod a' ghne duine a blia ann, 's cha mho a tha e duilich a thuigsinn ciod an leasan sonniiehte a tha a bheatha a' teagasg do- shluagh au Tighearn anns an la so. Cha 'n 'eil e ceart athraichean au t - seann t-saoghail a thomhas le toimhsean na linn so, no ann au solus soisgeil is teagaisg nach b' aithne dhaibh, ach ma bheiroar breith

14

air Lot a reir gnaths ua linne 's ua dutlicha anns an robh e beo, faodar a radh gu 'm bu duine diadliaidh e a theap a bheath is anam a cliall leis an t-saoglialtachd a bha gu furasd ag iadhadh uime. Tha e soilleir gu'm b'e so beachd an fhir a sgriobh eaclid- raidh. a "bheatha, oir ged nach 'eil e 'ga mlibladh ann an doigh earn bith, 's ged tha e ag innseadh. gu'n d' thug e jaoran trioblaid is carraid air fhein le shaoghalt- achd, tha e ag innseadh mar an iceudna gu 'n do mheas Dia Lot clio airidh air 'fhabhar 's gu'n do chuir e a theaehdair- ean, a dh' aon ghnothuch, 'g-a thearuadh a Sodom Tha 'n t-abstol Peadar a toirt cliu a's airde air. Tha e ag radii Shaor Dia Lot am firean, a bha fo champar le caithe- beatha nan aingidh : oir chraidh an t-ion- racan sin 'anam fireanta o gu la, le bhi faicinn agus a' cliunntinn an gniomliaran an-dligheach. II. Pheadair ii. 7, 8. Tlia e furasda gu leoir a thuigsinn earson a tha iomhaigh Lot na 's boidhche ann an litir Pheadair no tha i ann an leabhar Ghenesis. Ann an Genesis tha dealbh Lot air a chroehadh lamh ri dealbh Abrahaim, agus bha Abraham 'na dhuine eho mor 's cho gasda air gach doigh, 's nach seaUadh fear a b' fhearr no mac a bhrathar ach gle shuarach lamh ris. Ach chuir Peadar Lot taobh ri taobh ri muinntir Shodoim, agus an coimeas riu-san bha e cho naomh 's nach 'eil iongantas sam bith gu'n do labhair e uime mar neach ionraic. Bha e ionraic an ooimeas ris na h-aingidh, direach mar a sheallas duine anns nach 'eil ach airde chuimseach 'na fhamhair am measg chrot- anach is throichean.

Faodar a chreidsinn nach robh Lot sona ann an Sodom a dh' aindeoin pailteas na tire is lionmhoireachd a spreidhe. Cha bhiodh e furasda do neach a dh' eisd aon uair ri conaltradh Abrahaim eisdeachd le tlachd ri trusdaireachd Shodoim, agus ged a .bha e 'nam measg, cha b' ann dhiubh e. Thainig e o dhaoine eneasda, agus air cho saoghalta 's gu'n robh e, bha uaisle 'na nadur nach leigeadh leis cuid no pairt a ghabhail ann am baoth-shugradh na graisge. Ach ma bha an taobh a b' fhearr d'a nadiu' ag iarraidh air, an drasd 's a rithist, a oliasan a thoirt leis, agus call sam bith fhulang, air ghaol saorsa coguis is inutinn fhaotainn, bha a shaoghaltachd is fheineil- ■eaehd 'ga tharruing an rathad eile, agus ag iarraidh air fantuinn far an robh e. Is sin a rinn e ; dh' fhan e ann an Sodom gus, mu dheireadh, iiaeh robh toil sam bith aige fhagajl, , agus , 'nuair a spion aing-eal

an Tighearna e mar aithinne as an teine, cliaidh e mach gu Soar 'na sheann duine briste, gun ehrodh, gun chuid, gun daoine. Thug e bron is trioblaid air a cheann fein, agus mar thoradh na roghainn a rinn e, air dha bhi air a mhealladh le Dia an t-saogliail so, chaill e na bh' aige, agujs, air a' cheann mu dheireadh, bu bhuidhe leis fasgadh fhaotainn ann an uaimh.

Ged nach do choisinn Lot an saoghal so air son an do chuir e 'anam an eunnart, 's ged a chuir cuibheal an fhortain a' leithid de char dliitli 's gu 'n do chaill e na nithean air an do leag e a chridhe, cha 'n'oil fiosrachadh ar beatha a'teagasg dhuinn gu bheil sin a' tachairt daonnan no gu bheil saoghaltachd a' toirt call saoghal ta 'na lorg. Uair a tha 's da uair nach 'eil. Tha Dia a' riaghladh an t-saoghail air a' leithid de dhoigh 's gu 'm faicear gu trie an duine saog-halta 'ga sgaoileadh fein a mach mar ur ehraoibh uaine. Is trie leo-san a dh' fheuchas ris a' chuid a's fhearr a dheanamh de 'n da sliaoghal, an saoghal so a chosnadh 's a mhealtainn gus an latha mu dheireadh de 'm beatha, eiod air bith a dh' eireas dhaibh anns an t-saoghal eile. Cha b'e call a mhaoin call a bu mhiosa a thainig air Lot, ged is e sin an call a h' fhusa dha a thomhas. Ged nach robh fios aige fein air, thainig call a bu mhotha air anns na bUadhnachan anns an robh e an duil gu'n robh e a' soirbheaehadh gu mor no thainig air an uair a chaill e a mhaoin uile. An uair a leigeas daoine leo fein a bhi air am beo - ghlacadh le saoghaltachd 'r a dhi- chuimhuicheas iad Dia is siorruidheachd, 's nach 'eil ni fo 'n glirein a tigh'nn fodhpa ach am buannaclid shaoghalta, tha iad a' call buadhan inntinn is anma nach till thuca gu bratli tuilleadh. Falbhaidh na buadhan sin gu samhach, gun trompaid a sheideadh, air elior agus nach fairichear gle bhitheanta an call. Is lionmlior iad a tha pg radh, " Tha mi beartach, agus air fas ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air ni sam bith; ag-us gun fhios -aca gu bheil iad bochd is truag-li is dall is lomnochd." Taisbean iii. 17.

Cha 'n 'eil teagamh nach "eil duine an sid 's an so a' tuiteam air falbh o'n eaglais Ohriosduidh a chioim nach 'eil iad a' creid- sinn creud na h-eaglais. Tha feadhainn eile a' ciil - shleamhnachadh a chionn gu 'n do leig iad riuth le 'n ana-miannan 'e gur toigh leo am peacadli ni 's fhearr no 'n diadh- aidheachd. Ach cha n 'eil sinn an diul gu bheil aireamh na feadhnach sin cho mor ri aireamh nan daoine a tha tuiteam o ghras

7

I

I

15

le saoglialtochd . Cha tiie a thoid iad^an a lihlais aon uair deagh tliiodlilac Dhe thairis a ilh' ionnsuidh Shataiu, acli tha iad bitli- eanta gu leoir a' dol thairis a dh' iouiisiiidh an t-saoghail. Mar Ilia na bliadhuachan a' dol seachad, 's a tha, iad a' cur sios am freumhaichean air gach taobh, 's a tha euram an obair, an dachaidh, 's an teaghlaieli, a gbnath maille riu, tha iad ullamh gu bhi air an cuibhreachadh le cuing nan nithean a ta lathair air chor agiis ged naeh 'eil iad a' ciallachadh dearmad a dheanamh air an anam a bheathachadJi, tha 'n dearmad air a dheanamh. An uair a thachras sin, 's a tha gloir is maoin is toilinntinn an t-saoghail a' taladh a' chridhe thar tomhais, cha bu chall ach buannachd dhaibh gu 'n tigeadh teaehdaire o Dliia g-ed b' ann ann an riochd broin no tinneis no call codach 'g an dusgadh as an cadal mar bha Lot aii' a dhusgadh an uair a theap reamhrachd Shod- oim anam a dim- i'o gheasaibh. Cha ruig sinn a leas rabhadh a thoirt do 'n mlior chuideachd d' ar luchd leughaidh an aghaidh chleachdanuan is pheacanna a tha graineil, is maslach am fianuis dhaoine ; agus na 'n deauamaid e, is doeha nach bitheamaid ach a' bualadh an adhair, oir cha 'n 'eil na peacanna sin ag iadhadh umpa. Ach tha sinn uile an cunnart a bhi air ar toirt a tbaoibh le saoghaltachd, agus is moid an cunnart do bhrigh nach 'eil e idir furasd garadh-criche a thog-ail eadar a' chrionnachd sin ann an nithean aimsireil a tha araou ar tur fein is teagasg Chriosd ag iarraidh oirnn a chleachdadh agus an t-saoghaltachd a bheir lom sgrios air an anam. Tha e cho furasda <lo 'n duine chrionna leum thairis air a ghaiadh-chriche, 's gur e an gliocas dha a bhi daonnan 'na earalas, air eagal gu 'n tuit e fo dhraoidheachd an t-saoghail gun fhios da.

Cha 'n 'eil e coltaeh gu'n d'iarr Lot solus no seoladh o Dhia an am a ehrannchuir a roghainn. Ged a smuainich e air feur is (■rodh is caoraich m' an do rinn e Buas inntinn, cha d' thug e aon smuain air Dia.- B'e sin toiseach a sheaehrain 's a thrioblaid. Cha robh riuth 'na inntinn ach maoin is urram is comhfhiu-tachd fhaotainn dha fein 's d'a theaghlach, agus, air ghaol nan nith- ean sin, bha e toileach comunn a ghabhail ri daoine mallaichte, ain-diadhaidh , agus a bhean 's a chlann a charadh ann an teis- meadhoin graineileaclid Shodoim. Ach bu daor a phaigh e air a shon sin. Ma bha e 'n duil gu 'm bu ghniomh Criosduidh no gu 'm bu chaoimhneas atliar a bha e a' deanamh riutha, fhuair e a shuilean f'hosg-

ladli ; oir, an ceann beagau uiue, tha e coltaeh gu 'n d' i'has a bhean cho toigheach air Sodom '.s air prabar a' bhaile 's nach iarradh i fhagail. Co dhiu, dh' fhairtlich air a toirt leis as. Chunnaic e cuid d'a nigh- eanan air an cuing-chcangal gu neo-choth- romacli ri mi-chreidmhich agus mhill dvoeh cholnadar Shodoim beusan ohaich cho buileaeh 's nach robh annta ach diu nam ban. Ged is seanu naigheachd so tha i iir cuideachd. oir tha mora.n pharantan an diugh fhathast a' deanamh a' cheart ni a rinn Lot. Ann a bhi cur an cloinno air ceanu an ratljaid 's a I'oghuachadh an crannchuir dhaibh, cha toir iad suim do ni sam bith ach inbhe is buannachd shaoghalta. Ann a bhi toirt dhaibh colas na Blighe, bheir iad dhaibh a h-uile eolas ach an aon colas a tha tarbhach. Gabhaidh iad na ceumannau a's soluimte a's urraiun neach a ghabhail gun iomradh air urnuigh, no iarraidh air Dia an treoraehadh. Air sgatli tasdan la' bharrachd 's an t-seaehduinn ciiiridli iad balaich is caileagan oga an teis-meadhoin aingidheachd, caoin-shuarach mu na cunn- arta.n 's na buaraidhean a dh' fhaodas am beathu a mliilleadh. Ach ma gheibh gaol an t-saoghail is nabhar na lieatha greim cho laidir air parantan 's nach toir iad smuaii; air Dia. no air toil Dhe, no air anam an cloinne, no air ni sam bith eile ach buannachd shaoghalta, 'nuair a bhio.s iad a' cur am mic 's an iiighe-man air clieann na slighe, cha ruig iad a leas iongantas a ghabhail ma clii iad, an deigh laimhe, gu'n do cheannaich iad a' bhuannachd .shaoghalta aig pris ro dhaor. Ach gle bhitheanta ged is e na parantan a thaghas am port is e an claim a phaigheas am piobaire. Co dhiu, tlia sinn an duil gur e sin aon de na leasain a (111' fhaodar a leughadh o bheatha Ijot. Mhill e a bheatha' fein gu mor ach mhill e a theaghlach seachd uairean na bu mhiosa. Tha an So-riobtur a' teagase- s'u 'n do theainadh e o sgrios air a' cheann mu dhoireadh, ach i'aodar a radh mar thuirt . Pol gii 'n do shaoradh, e mar tre theine. Ged bha a chridhfe Ian cliopagan is. droighinn bha cluaineagan de thalamh maith ann mar an ceudna, agus ged a tharruing a shaniit . fein air falbh e o shligheaunan sublia.chai.s . na h -inntinn thoilichte gu clabar Irlthaicli na h-inntinn shaoghalta, bha bun a' ghiioth- uich ann gun teagamh, agus a dh' aindeoin a shaoghaltachd bha tomhas aige de ' spiorad an Tighearna. Ach . tha a bheatha a' seirm nam briathran 'nar cluasan^rrCiod an tairbhe;. a ta ann do dhuine, ged cliosiiadh e -lin:' saoffhal uile ag-us 'anam fein a chall ?

16

■A Thiijheani losa, a thug buaidh air an t-sao(jhal, thoir dhv/nn tomhas de d' ghliocnfi '•■? de d' spiomd rlinvi 's gu 'm hi iarrtus dur- achdach againn air na tiodhlacan n's fearr, 's gu'm hiar cridhe.aohcm air nn suidheachadh air na nithean a la shims. Saor siiiii o shannt \s o shaoghalUtchd agns cuidich leinn roijhainn a dheanamh de 'n chuid iuhailli narli toireur uaiiin gu brafJi. Coimhead sinn o'n olc re ar cuairt air thalamh agus lei.g thugainn do sholm, oir is tasa solas an t-saoghfiU. Amen .

AORADH AN TAIRBH.

Tha. moran air a radii anns an tseaun TioniQadh mu iodhalaoradh nan ludhach ; ach cUa 'n 'eil e idir fiirasda srauaintean soilleir fliaotainn air an t-seorsa aoraidli sin. no blii cinnteach ciod an ni sonruichte a bha an luchd aoraidh a' ciallachadh leis. Anns na seann laitheaa bha diadhairean na h-eaglais de "n bheachd gn'o robh eolas Dhe aig ceud atbraichean a' chinneadh daona moran na bu shoilleire no bha e aio- na linntean a thainig "nan deigh. Is e sin r'a radh, bha iad an duil gu'm b' aillme do Noah 's do Shorn, "s do Enoch, 's do Lot, Dia mar nach b' aithne do'n al. a bha beo ann an linn Hosea is Amois is an curr de na faidhean d' am b' fheudar a bhi labhairt gu searbh an aghaidh iodhal-aoraidh an t sluaigh. A reir a' bheachd so, bha am foillseachadh a rinn Dia air a bhith 's a nadur fein do dhaoine ann an toiseaoh eachdraidh an t-saoghail. iomlan ; ach mar bha na bliadhnachan a' dol se.achad is M a tigh'nn as deigh iiil, bha am foillseachadh sin uigh ar n-uigh air a thruailleadh, agus bha an saoghal a' tuiteam air falbh on Dia bheo 's o'n chreidimli fhior gu bhi deanamh aoraidh do dhiathan breige. (Jed a dh' fhaodas gu bheil moran dhaoine de'u bheachd so fhathast cha 'n "eil e idir a reir na firinn ; agus cha mho a tha an seann Tiomnadh, ma leughar e le curam is tuigse, 'ga ghiulan a mach. Tha e calg-dhireach an aghaidh na's aithne dbuinn mu fhreasdal an Tigheara anns an t-saoghal, agus mu'n doigh anns a bheil Dia "ga fhoillseachadh fein do dhaoine. C'ha 'n urrainnear obair an taisbeanaidh a choimeas ri rud sam bith a's fhearr no ri solus na greine solus a tha 'g eiridh uigh ar n-uigh, an toiseach a" chamhanaich, an sin bristeadh na faire, an sin galhan soluis a' buahidh air na beanntan a's airde, an solus a' sior fhas ann an neart gus an ti,g e gu noart is iomlanachd a" mheadh- oin la. An aite a bhi '.g radh gu'n d' fhuair Adhamli is Noah solus a' niheadhoin \h agus gu'n do otiaill an slioohd an solus sin, ann an tomhas mor, miltean bliadhna an deigh dhaibhsan a bhi marbh, is e bu choir dhuinn a radh nach robh ceud athraichean an t-seann Tiomnaidh ach anns a' chamhanaich a thaobh eolas Uhe, agus nach robh am foillseachadh a fhu;iir iad ach beag is fann an coimeas ris an t solus a dh' eirioh air an duthaich ann an linn nam faidhean. Tha an saoghal a' tigh"nn air aghaidh an aite a bhi dol air ais ann an eolas air nadur is buadhan Dhe ; faodar a radh nach do rainig a' ghrian airde nan speur fhath- ast, agus gu'n nochd spiorad an Tighoarna nithean iir do na feadhainn a thig "n ar deigh air nach do rainig sinne.

'I'huirt sinn an uiread so chum an rathad a reiteaoh- adh air son rud eile a bu mhaith leinn a radh, agus is e sin, nach ann idir a' toiseachadh air seoi'sa iir de- dh' aoradh a bha clann Israeli ann a bhi deanamh aor- aidh do tbarbh. ach a" dol air an ais gu seann seorsa aoraidh a bha an athraichean a oleachdadh anns a' chamhanaich. 'Nuair a bha an saoghal 'na leanab- achd. cha b' urrainn do dh' inntinn mbic an duine greimeachdh air an fhirinn gur spiorad Dia, no aoradh a dheanamh dha air mhodh spioradail. P.ha buadhan a' ohuivp na bu laidire no buadhan na h-inntinn, agus bha e na b' fhusa do dhaoine aoradh a dheanamh do Dhia a chitheadh iad le'n suil no do Dhia nach b'urr- ainn dhaibh fhaioinn. Cha b' urrainn dhaibh an inntmn a shoorucadh le h-earbsa no creidimh air Dia nach faca iad riamh air mhodh sam bith eile ach le solus an spioraid fein 's le mac meamna na h-inntinn, Is c sin an t-aobhar gu'n do thoisich iad air dealtih an De bheo a shnaighoadh, an cloich, an 6r. am fiodh, "s air dhoighean eile. Cha b'urrainn dhaibh aoradh a dheanamh gu spioradail do spiorad \ dh' fheumadh iad dca.lbh Dhe fhaicinn mu ohoinneamh an siil chum gu'n creideadh iad gu'n robh e da rireadh dliith dhaibh. Cha "n 'eil e uile gu leir ceart, ma ta, a radh gu'n robh Israeli a' cul-shleamhnaobadh o chrpidimh anns an Dia bheo agus a' tuiteam air an ais gu- iodhalan, 'nuair a bha iad an drasd 's a rithist a' dean- amh dhaibh fein tairbh oir. Is ann do'n Dia bheo, lehobhah an athraichean, a bha iad a' ciallachadh aoradh a dheanamh fad na h-uine, ged a bha iad 'ga shamhlachadh ris na h-iomhaighean sin, mar rinn iad ann an linn Aaroin agus ann an linn leroboam. (!:ha 'n 'eil e furasd a dheanamh a mach ciod a bh" aca 's an t sealladh ann a bhi tarruing dealbh Dhe air an dnigh ud. no ciod an emuain a bha 'n cul :in cinn. Tha cuid de dhiadhairean de"n bheachd gur h-ann o'n Eiphit a thainig an cleachdadh, ach tha a" mhor ehuideachd am barail nach e a oheannach a rinn iad, agus gu'n d'eirich an rud am measg Israeil gu nadurra. liha iad 'nan tuathanaich ; cha b' aithne do na tuathanaich sin ann an staid an leanabachd 's ann an camhanaich eachdraidh an t-saoghail samhladh eile air lanachd no^irt is beatha a b' fhearr no tai'bh og no laogh. Agus air dhaibh feuchainn ri greimeachadh air Iknachd beatha is neart is curahachd an De bheo, ghabh iad an samh- ladh sin air, agus tharruing iad a dealbh mar laogh no mar tharbh oir. Ged a dh'eirich dindhairean is faidhean nam measg a rainig air an fhirinn gu'm bu spiorad Dia nach gabhadh samhlachadh ri ni sam bith a b'urrainn lamh mhic an duine a dheanamh, 's ged a chronuich iad an sluagh air son an aineolais, bha 'n sluagh mall 'nan cridhe, 's 'nuair a gheibheadh iad an cothrom bha iad a' tionndndh air an ais a dh' ionnsuidh an t-scann chleachdaidh. Ann an aon seadh, tha e fior gu'n do chuidich na samhlaidhean so le Israeil ann an tus a h-eaohdraidh a h-inntinn a thogail gu lebobhah, ach an deigh laimhe bha iad 'nam mallachd 's 'nan cnap-stirra mor dhi, oir cha b' ann do Dhia a bha an sluagh neo spioradail a' dean- amh aoraidh ach do 'n t - samhladh. 'N uair a tboisicheas daoino air aoradh a dheanamh do Dhia tre shamhlaidhean's tre iomhaighean, is e fia bitheanta a's deireadh dha sin, gu 'n dichuimhnich iad L>ia 's gu'n toir iad an aoradh do na h-iorahnighean fein. Chi bhiodh e furasd a thomhas am feum a rinn an dara aithne ann an eachdraidh an t-saogh;iil, oir bha i 'na meadhon mor air a theagasg do dhaoine aoradh fior ghlan a dheanamh do'n Dia bheo.

1

r. .J

Air 5.

SAGAIETEAN DO DHIA

s

^^^^^f ^1

M^g

^g

ll^^^pij

^^^^^^^^§

^^^^^^

HJ^^a^

i^^iS^S^n^^

gjffiffl^m^

1911.

Dhasan a ghradhaich sinn, agus a dh' ionnlaid sinn o ar peacanna 'na fhuil fein, agus a rinn righrean dhinn is sagairtean do Dhia 's d'a Athair, dhasan gu 'n robh gloir agus cumhaehd gu saoghal nan saoghal. Taisbean I; 5, 6.

Anns an am anns an do egriobhadli leabhai- an Taisbeanaidh bha an eaglais Chriosdnidh. a' fulang geur - leanmhuinn a theap sgrioiS. a thoirt oirre. Dh' eiricli cumh- achdan an t-saoghail an aghaidh sluagli an Tigliearna; agus, a reir coltais, bha iad an impiJ a bhi air an sguabadh bharr aghaidh na talnihainn. Am measg nan trioblaidean 's nan deuchainnean a thainig orra, bha cuid de na creidmhich a' call am misnich agus a' tuiteam air falbh. Anns an leabhar so tha an t-abstol Eoin a' feuchainn ri mis- neach na feadhnaoh sin a neartachadh agus ag innseadh dhaibh mu 'n taisbeanadh ghlor- mhor a thug Dia dha air nithean a bha ri taehairt ann an nine ghearr. Le h-iomadh samhladh tha e a' cur 'nan cuimhne gu bheil cumhaehd Dhe ag oibreachadh air taobh a shiuaigh agus gu bheil an t-am fagus anns an criochnaichear laithean am broin. Biodh na naoimh, tha e ag radh, fo dheagh mhisnich ; oir saoraidh an Tighearn as an teanntachdaibh iad agus rioghaichidh iad gu siorruidh maille ris anns an Jerusalem Nuadh. Tha an Tighearn a' rioghachadh; criothuaioheadh an talamh; tha an Tigh- earn a rioghachadh ; deanamh na naoimh gairdeachas is e sin suim na tha an t-Abstol Eoin ag- radh anns an leabhar so.

Tha an litir a sgriobh e chum nan seachd eaglaisean a' toiseachadh anns an doigh abh- aisteach, Gras dhuibh agus sith o'n Ti a ta agus a bha, agus a ta ri teaehd, agus o losa Criosd, an fhianuis fhior, an ceud- ghin o na marbhaibh, agus uachdaran righ- rean na talmliainn. Ach cha luaithe a dh' ainmich Eoin an t-ainm naomh a tha os cionn gach ainm no chaidli a chridhe a maeh a dh' ionnsuidh an Tighearn losa le solas is aoibhneas, agus thionndaidh e clar |mjionaid no dha o bhrosnuchadli a bhraithrean chum ainm a Shlaniugheir a bheannachadh Dhasan aig a bheil g-radh dhuinn, agus la dh' ionnlaid sinn o ar peacanna 'na fhuil fein, agus a I'inn rioghachd dhinn, sagairt- ean d'a' Dhia 's d'a Athair; dhasan 'gu 'n

robh a' ghloir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal.

Cha 'n 'eil e furasd a radh ciod an ire a rainig na deisciobuil ann an eolas spiora- dail aig an am anns, an do chuireadh losa gu has, ach tha e furasda gu leoir fhaicinn gii 'n d' fhas 's gu 'n d' abaich iad gu h-ana- barrach, an eolas 's an creidimh, an deigh dha eirigh o na marbhaibh. Thainig iad gu bhi creidsinn ann an diadhachd losa uigh ar n-uigh, agus is docha nach b' urrainn dhaibh fein innseadh ciamar. Cha b' ann mar Dhia a b' aithne dhaibh e an toiseach ach mar dhuine; agus ghradhaich iad e mar charaid fada m'an do thoisich iad air aoradh a dheanamh dha mar aon de phearsachan na Diadhachd. Tha eadar-dhealachadh mor eadar na smuaintean a blia Eoin ag altrum mu losa anns na laithean anns an robh iad ag imeachd comlila ann an Galile agus na smuainteajn' a bha e ag alti'um uime ann am Patmos, bliadhnachan an deigh 'aiseirig-h. An taobh a mach do Mhuire cha robh neach air an t-saoghal d' am b' aithne losa na b' fhearr na Eoin. B' aithne dha fuaim a ghutha, b' aithne dha coltas 'aodainn is dath a shul, b' aithne dha a dhoigh labhairt 's a dhoigh coiseachd, agus shaoileamaid g-u 'n tugadh e tarruing- air na nithean sin an uair a thods- ich e air cunntas a thoirt air an t-sealladh a chunnaic e air Criosd ann am Patmos. Shaoileamaid gu 'm biodh an Criosd a chun- naic e ann am Patmos car coltach ri Mac an duine a bha maille ris ann an Galile. Ach an aite aire a luchd leug-haidh a shocruchadh air buadhan losa mar b' aithne dha e Jann an laithean fheola, tha an t-abstol a' cur nan nithean sin uile as an t-sealladh, agus ag innseadh uime ann an doigh a tha a' nochdadh gu soilleir nach b' ann a reir na feola a b' aitluie dha e a nis ach ann an cumhaehd a Dhiadhachd. " Bha a cheann agus fhalt geal mar oluinn ghil, agus a shuilean mar lasair theine. Agus a chasan cosmhuil ri umha fiorghlan, agus a ghuth mar thoirm mhoran uisgeachan. Agus bha aige 'na laimh dheis seachd reultan: agus claidheamh geur da fhaobhair a' teaehd a mach as a bheul, agus a ghniiis mar a' ghrian a' dealrachadh 'na Ian neart." Mar bha na bliadhnachan a' dol seachad bha eolas Eoin air a Shlanuighear a' fas, agus chunnaic e gloir as deigh gloir is doimhneachd as deigh doimhneachd ann an diomhaireachd a naduir. Cha b' e Criosd ur a chunnaic e anns an eilein ach an Criosd a b' aithne dha

18

cheana, aun an doigh a bu shoilleire. An uair a blia iad comlila anna an it-seomar uaehdrach leag an t-abstol a cheann air uclid a Mhaiglistir, aeh 'nuair a chunnaic e am Maighstir ceudna ann am Patmos, ann an staid a ghloire agus ann an cumhachd 'aiseirigh, tliuit e sios aig a chasan ann an riochd mairbh. Ann an kithean flieola thug e gaol do losa mar charaid 's mar bhrathair; ach a nis chaidh na seann nithean sin seachad, 's tlia e a' deanamli aoraidh dha mar a Tliigearna 's a Dhia, agns a' taomadh a mach a chridhe 'na lathair le laoidh bhuidh- eachais Dliasan aig a bheil gradh dhuinn, agus a dh' ionnlaid sinn o ar peacanna 'na fhuil fein, agus a rinii rioghachd dhinn, sag- airtean do Dhia 's da Athair, dhasan gu 'n robh a' ghloir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal.

Cha b' iirrainn do Eoin facal brosnucli- aidh a b' tliearr a labbairt ris na feadhainn a bha a' call am misnich, no gi-adh Chriosd dhaibh a chur 'nan cuimline. Is e dochas is misneach chreidmheach nacli failnich a ghradli-san. Faodaidh matliair leanabli a cuim a dhiehuimhneachadh ach cha dich- nimhnich Criosd a shluagh. Tha iad gearrte air dearnaibh a laimhe, agus cha chaill e aon de na thug 'Athair dha. Dealaichidh na sleibhtean r'am bunaiteau agus atharraichear na beanntan as an aite, ach cha dealaich mo chaoimhneas riut-sa 's cha 'n atharraichear comh-cheangal mo shith, deir an Tighearna. Bha fios aig Eoin gu 'n toir daoine urram ia aoradh do 'n Tighearn anns an tomhas anns a bheil faireachduinn aca air na tiodhlacan a tha iad a' sealbhachadh bhuaith, agus tha e mar sin a' dol air aghaidh gu bhi cur an cuimhne a luchd leughaidh cuid de na beannachdan a tha sruthadh o ghradh Chriosd Dhasan a ghradhaich sinn, agus a dh' ionnlaid sinn o ar peacamia 'na fhuil fein. Ann a bhi 'g radh gu bheil Criosd a' toirt maitheanas am peacanna d'a shluagh, cha 'n 'eil Eoin a' teagasg ach an fhirinn a chual e le chluasan fein iomadh uair o bhiJean losa. 'Nuair a shin e an cupan d'a dhoiseiobuil aig an t-suipeir thuirt e riu Plaibh uile dheth, oir is i so fuil a' chumhn- ant ag-amsa, a dhoirtear airson mhoran chum maitheanas pheacanna. Tha an fhirinn so air a teagasg eho soilleir anns an Tiomnadh Nuadh 's nach gabli i folnch; agus b' e an soisgeul leis an do ehoisinn Pol na cinnich an soisgeul a fhuair e air tus " Gu 'n <i' fhuair Criosd bus air son ar peacanna a reir nan sgriobtur." Is e maitheanas pheac- anna an tiodhlac a's priseile a's urrainn Dia a thoirt do dhaoine, agus, a dh' aindeoin ciod

a their an saoghal, oibrichidh maitheanas naomhachd ann am beatha na feadhnach a fhuair e, oir tha caomhalachd Dhe ann a bhi sealltuinn thairis air an cionta a' leaghadh cruas an cridhe 's a' dusgadh taingealachd annta a bhrosnuicheas iad gu seirbhis a dlieanamh do'n Tighearna le 'n uile chridhe. Tha e cho miorbhuileach gu 'n cuireadh Dia sgaradh eadar an duine 's a pheacanna le facal a ghrais, 's a tha e gu 'n cumadh e na reultan 'nan cursa, linn as deigh Unn, le facal a chumliachd. Cha 'n urrainn peann no teanga labhairt air maitheanas Dhe mar bu choir, no an t-sith 's an' t-saorsa a tha 'ga leantuinn a chm- an oeill. Cha tuig-ear e ach leosan a dh' fhiosraich e, ach togaidh iadsan uile a fhuair troeair o Dhia an guth maille ri Eoin agus ris na naoimli, agus seinnidh iad laoidh bhuidheachais dhasan a ghradhaich iad agus a dh' ionnlaid 'iad o'm peacanna 'na fhuil fein.

Tha an t-abstol a' cur gradh Chriosd air thoiseach, oir is e an gradh sin an tobar as a bheil uile bheanuachdan ar slainte a sruthadh; agus 'na dheigh sin tha e ag ainmeachadh aon de na tiodhlacan a tha creidmhich a' sealbhachadh mar thoradh a ghraidh; ach tha e dol air aghaidh gu bhi 'g innseadh mu 'n inbhe ard is ujramach dh' ionnsuidh a bheil Criosd a' togail na feadhnach a fhuair maitheanas a rinn rioghachd dhinn, sagairtean do Dhia 's d'a Athair. Bha cuimhne aig Eoin air na briathran a labhair Dia ri cloinu Israeil " Ma ghleidheas sibh mo chomlicheangal, bidh sibh dhomhsa 'n ur n-ionmhas son- ruichbe os cionn nan uile shluagh; bidh sibh dhomhsa 'n ur rioghachd shagairtean agus 'n ur cinneach naomh." Exod. xix. 5. Cha 'n e mhain gu 'm fireanaich Dia an dream a ghairmeas e, ach gloraichidh e iad mar an ceijdna. Tha e a' toirt d'a shluagh soch- airean is coraichean nach 'eil aig maithean an t-saoghail; tha iad 'nan teaghlach rioghail 's 'nan oighreachan air Dia, agus a' gluasad ann an saorsa ghlormhor a chloinne. Anns na seann kithean agiis fo 'n t-seann chumhn- anta bha na sagairtean ann an daimh a bu dluithe ri Dia no bha an corr de'n t-sluagh, agus bha an rathad fosgailte dhaibh do 'n ionad naomli; ach le blias fein bhris Criosd sios am balla-meadhoin a bha eadar daoine is Dia agus choisrig e d' a shluagh slighe nuadl, is bheo a steach do 'n ionad a's ro naoimhe. Fo 'n chumhnanta nuadh tha sluagh an Tighearna uile 'nan sagairtean; oir tha an t-slighe fosgailte dhaibh gu Dia, agus tha cead aca tigh'nn 'na lathair agus amhare air a ghloir le aghaidh gun fholach. Is e

??

M

I

19

so an smuaiii a blia aun an inntinn Eoin 'nuaii- a labliair e umpa mar shagairtean. Tha e a' smuaineachaclh air sliiagh an Tigh- eaina mar dhaoine a tha air an gairm gu droiichd ard, a tha air an cur air leth gu seirbhis Dhe, a tha air an dealachadh o 'n t-saoghal, agus a' mealtainn sior cho- chomunn ris an Righ a ghairm 's a sheulaich iad. Is mor agus priseil an t-sochair e, gu 'm biodli rathad fosgailte daonnan aig creidmhich gu lathaireachd an Righ, ach ciod! a ghne dhaoinie' a bu choir a bhi annta- san aig a bheil an t-Mchaiir so? Cha sagairt iior neach sam bith ach neach aig a bheil lamhan glan is eaithe-beatha naomh. Cha 'n 'eil ann an sagairteachd gun naomhachd ach an t-ainm gun an tairbhe. Tha iadsan a tha da-rireadh 'nan sagairteau do Dhia air an sgeadachadh ann an trusganaibh g-eala, agus is e maise na naomhachd an trusg'an g«al. Tha gloir Dhe is gloir an duine a' coinneachadh aun an uadur na feadhnach sin a tha 'nan sagairtean fior. Tha iad daonnan dluth do Dhia, oir tha iad a' dean- amh aoradh dha gun sgur; ach tha iad mar an ceudna dluth d'an co-chreutairean oir tha iad comasaeh air co-fhulangas a bhi aca r" an anmhuinneachd. Is e sagairt- ean an Tiomnaidh Nuaidh, iadsan aig a bheil gradh do Dhia is gradh do dhaoine, iadsan a tha naonih is iriosal is glan 'nan cridhe, iadsan a tha caomhal is trocaireach, iadsan aig a bheil spiorad na h-urnuigh is spiorad na sith, iadsan aig a bheil eud air taobh an Tighearn agiis a shaothraicheas 'na sheirbhis. Is e sin toradh an Spioraid, an toradh ris a bheil fiuthair aig Criosd, ceann na h - eaglais, o blieatha nan daoine a ghradhaich e, agus a dh' ionnlaid e o'm peacanna 'na fhnil feiu, agus d' an do rinn : -e sagairtean do Dhia 's d'a Athair. 'Nuair a shocruich inntinn an t-abstol Eoin air na tiodhlacan beanuaiehte a bhuilich Criosd air a shluagh, 'nuair a bheachd smuanich e air gradh an t-Slanuialieir, air an t-saorsa a choisinn e dliaibh le fhulangas fein, agus air an inbhe ard dh' ionnsuidh an do ghairm e iad, cha 'n 'eil e iong-antach gu 'n do lion a chridhe le taingealachd is moladh agus gu 'n do sgi'iobh e Dhasan gu 'n robli a' ghloir agus a' chumhachd gu saoghal nan saoghal.

OBAIR NA H - EAC4LAIS.

Ann an iomadJi sgireachd anus a' Ghaidh- ealtachd cha 'n 'eil an eaglais Steidhichte ach gu maith lag, agus, air an aobhar sin, tha moran dhaoine anns na cearnaibh sin pn

duil nach 'eil i 'na cumhachd spioradail idir anns an tir. Tha e fior nach 'eil i a' faot- ainn cothrom ann an cearuan de 'u Ghaidli- ealtachd a reir a durachd 's a gradh do 'n t-sluagh, ged tha cuisean a' fas na 's fhearr no bha iad, ach tha an eaglais a' deauamh obair fhiachail ann an aitean eile, agus obair a tha air a h-aideaehadh 's air a beannachadh le Dia. Tha e ceart gu 'm biodh uigh aig muinntir na h-eaglais anns an obair anns a bheil i a' saothraehadh, agus bu mhaith leinn anns an aireamh so beagan a radh mu obair na h-eaglais air a' bhliadhn' a chaidh seachad aig- an tigh agus ann an duthehanna cein. Cha 'n lu-rainn fiutliair a bhi aig eaglais sam bith ri soirbheachadh ach anns an tomhas anns a bheil i soisge.ulach agus anns an tonilias anns a bheil a sluagh eudmhor gu ordugh an Tigheaxn a choimhlionadh " Imichibli air feadh an t-saoghail uile agus searmonaichibh an soisgeul do gach duil." Gu 'n doirteadh Dia air luchd dreuchd is luchd comanachaidh na li-eagiais an spiorad naomli chum 's gu 'm bi iad seasmhach, neo- ghluasadaeh, a' sior mheudachadh ann an obair an Tighearna. Chiur an eaglais a mach ministearan is seirbhisich eile do na h-Innsean, do 'n Afric, agus do China, agus an uiridh chruinnich muinntir na h-eaa-lais aig an tigh corr is sia deug is da fhichead mile punnd Sasunnach chum an obair sin a chur air aghaidh. Faodar an rud a chur ann an doigh anns an glac e an t-suil:

Aireamh an luchd oibre an duthchannan

CEIN.

I. Daoine Geala.

Ministearan, - - - 34

Dotairean, - - - 12

Seirbisich eile, - - - 15

Boirionnaich, - - - 75

Mnathan nam Ministearan, - 34

170

II. Daoine Dubha.

Ministearan, - - -

13

Ceistearan,

210

Maiglistearan-sgoile ,

555

778 An toradh. Aireamli nan cinneach iompaichte, 21,212 Luchd Comanachaidh, - - - 6,870 Sgoilearan, ----- 17,454 Chaidh a bhaisteadh an uiridh, - 2,700

An tigh'nn a Stigh. Anns an duthaich so, - £46,412 0 0

Anns na dut*hannan thai], - 9,702 11 6

20

De "u t-suim so blia corr is sia mile cleug air a chruinneacliadh le comunn nam ban anns an eaglais, comunn a tha deanamh obair fhiachail anns gach sgireaelid anns an deachaidli cothrom a tlioirt dhaibli. Ach tha an saoghal farsuing, agus tlia an soirbheach- adli a thug Dia do 'n eaglais cheana 'na ghairm iir d'a sluagh, ag iarraidh orra an tuilleadh dichill a dheauamh. 'Nuair a chi na duthchanna borb gu bheil gradh Chiiosd a' co-eigneachadh nan criosdiiidlieau gu dol thai' chuantan thuea-san, chum am bochdan a chuideachadh, an clann a theagasg ann an eolas na firinn, agus am muinntir thinn a leigheas, bidh an soisgeul dhaibh 'na sgeul aoibhueacli.

Aig an tigh cha 'n "eil an eaglais 'na tamh . Tha sluagh na duthcha a' taomad.li a steacli do na bailtean mora, air clior 's nach 'eil aite dhaibh anns na h-eaglaisean a bha lionmhor, gu leoir fichead bliadhna roimhe so. Tha eaglaisean ura 'gan tog-ail a chionn gu bheil i'eum orra. Tha sia ceud is tri fichead eaglaij de 'n t-seorsa so air an togail cheana, aguis cha d' thug an staid boun a sia airson an aobhair .sin. Tha moran dhaoine am beachd gur h-e an staid a tha cumail >3uas na h-eaglais Steidhichte uile gu leir. Cha 'n 'eil sin fior. Tha coig oeud eaglais againn naoh 'eil a' faotaiun ruabhag ruadh ach na thogas am buill fain. Aig an Ard Sheanadh ann an 1904 riuu an eaglais suais a h-inntinn gu 'u robh e feumail leth cheud sgireachd ur a chomharrachadh a maeli m'an tigeadh deich bliadhna. Bha an rud ri corr is ceud mile a chosg. Tha seachd bliadhna seaehad a nis, agus tha deich air fhichead de na h-eas'laisean sin air bonn ; ach feumar cabhag- a dbeanamh ma tha each ri bhi deas m'an tig 1914. Ciod air bith a ni eaglaisean eile tha e mar fhiachaibh air eaglais na h-Alba meadhonaoi nan graB a tJibirt ,do g-ach cearn de 'n duthaich chum 's gu 'm bi coth- rom aig na li-uile feitheamh air Dia ann an orduighean an t-soisg-eil. Tha sinn an dochas gu 'm bi sluagh na h-eaglais eudmhor anns gach deagh obair agus gu 'm bi an saothair air a crunadh le beannachd Dhe.

AN LUIBHRE.

Anns an treas caibideal deug de Lebhit- icus tha cunntas mionaideach ri fhaotainn mu 'n ghalair uamhasach so.

Bha an galair an da chuid gabhailteach is duthchasacTi, agus bha eagal air daoine roimhe anns na seann laithean mar tha eagal

orra an diugli roimh 'n bhric. Cha robh maith dhaibhsan air an robh e an aodann a nochdadh anns an t-sionagog no an aite sam bith eile far am biodli daoine cruinn.

Bha e air a radh gur h-anu 'san Eiphit a flmair na h-Iudhaich e, agus gu 'm b' e cruas na h-oibre a bh' aca ri dheanamh aig na h-athaelian creadha a bu mhathair aobhair dha. Ach cha 'n 'eil e coltach gu 'n robh e dad na bu chumanta am measg nan ludhach no bha e am measg chinneach eile anns an aind an ear. Bha an galair cho fada sear ris na h-Innsean is lapan mile bliadhna roimh theachd Chriosd. Bha muinntir Phersia a' creidsinn gu 'n do pheacaich gach noach air an robh an luiblire an aghaidh na greine. Cha 'n e mhain nach tugadh iad fasgadh do dhuine air an robh an galair, ach bhiodli iad a' cur as do chalumain gheala, an duil gu 'u robh e orra-san cuideachd.

Anns an deicheamh linn rainig e an B-oinn Eorpa agus fad nan ceudan bliadhna 'na dheigh sin bha e cumanta gu leoir, eadhoin ann am Breatunn. An sid 's an so air feadh na duthcha chithear comharran fhathast gu'n robh a' phlaigh so^ aon uair 'n ar measg. Bliiodh iadsan air an robh i air an cumail ann am punndar, dealaichte o dhaoine; agus tha ainmeannan is laraichean nam punndar sin air chuimhne fhathast. Cha 'n fhacas luibhre ann am Breatunn o chionn uine fhada, ach tha an galair gle dhona ann an Locblann fhathast, agus bidh e a' bristeadh a mach am drasd 's a rithist ann an Russia, anns an Spainnt, anns an Eadailt, agus anns a' Ghreig. Gheibhear e anns an Afric anns na bailtean a tha dluth do 'n chladach. Tha e anns an h-Inusean mar bha e riamh agus ann an China .

Ged a cUi' fhaodas feadhainn a ghabhail a tha glan 'nam full 's 'nan craicionn, tha e coltach gur h-e an salachar a tha 'ga thogail. Droch thigean, is cion gloine, is droch bhiadh is e sin mathair aobhar na luibhre. Tha cuid de lighichean a' cumail a mach gu bheil iadsan a tha tigh'nn beo air iasg buailteach do 'n ghalair, gn sonruichte air iasg saillte .

Bha e air a radh, ged nach urrainn sinn aitJiris mar fliirinn, gur e so an galair a thug- bas do righ Albainn, Eaibeart Brus. Ged nach 'eil samhladh a's bitheanta ris am bi searmonaichean a' samhlachadh a' pheacaidh no luibhre, cha 'n 'eil an samhladh sin idir air a olileachdadh anns a' Bhiobull. Ach tha. an da rud cho coltach ri cheile an iomadh doigli 's nach b' urrainn do luchd teagai-sg eun amas air.

"i

Air 6.

1911.

DOCHAS AN T-SALMADAIR.

Cha 'n jhag thu m' cmam anns an iiaigh : cha leig thu le t-aon naomh truaillidheachd fhaicirm. Salm xvi. 10.

Tlia e air a radh giu- e Daibhidh a sgriobh an t-salm so an uair a bha Saul an Itoir air a bheatha. Tha e fein ag innseadh ann an eeud leabliar Sliamueil, xxvi. 19, gu 'n robh e air fliuadachadli a macli p oigiireachd an Tigliearna, agus gu 'n robli cuisean clio dorclia aig an am sin 's gu 'u d' iarr daoine air seirbliis a dheanamh do dhiatlaan eile agus ciil a chur ri lehobliali a chionn gu 'n do ehuir leliobhah, a reir coltais, cul ris-san. Acli a dli' aindeoin nan duiieadasan 's nan trioblaidean a thainig air, cha 'n eisdeadh an salmadair ri comli- airle na feadhnacli sin oir bha e cinnteach nach treigeadh an Tighearn e. Eadhoin anus an dorchadas bha co-cliomunn aige ri Dia, agus ann a lionmhoiieachd a smuaintean an taobh a stigh dheth bha a chomfhurtachd- san a' toirt solas d'a anam.

Cuibhrionu mo ehup' is m' oigiireachd Dia :

'S tu sheasas dhomh mo chrann.

An aitibh aoibhneach thuit mo lion:

'S learn oighreachd bhriagli' nach gann.

Cha b' urrainn e smuaineachadh air aoibh-

neas a |b' airde no gu 'm biodli Dia a ghnath

maille ris, agus air dha a bhi cinnteach

gu 'n robh Dia air a dheis laimh cha cliuir-

eadh cunnart no trioblaid sam bith eagal air.

Bha e cinnteach nach cuireadh ba.s no

beatlia, no nithean a ta lathair no nithean

a ta ri teachd sgaradh eadar Dia is 'anam.

Agus air dha an dearbhaehd laidir so a

ruighinn agus fiosrachadh fhaotainn air

daimh cho dluth ri Dia, tha e ag radh,

Anns an uaigli cha 'n fhagar leat

Shios m' anam air aon achd:

Cha leig thu fos do d' sheirceinu naomli

Gu 'm faic e truaillidheachd.

Dhomh sligh na beatha nochdaidh tu:

A'd lath'r Ian aoibhneas ta,

Is aig do dheas laimh fein a Dhe,

Mor shubhachas gu brath.

Tha cuid de dhaoine an dull gu bheil an t-salm so a' teagasg neo-bhasmhorachd an anma, agus gu 'n robh an salmadair cinnt- each nach b' e an uaigh crioch a reis. Bha

an t-abstol Peadar de 'n bheachd nach ann idir uime fein a bha an salmadair a' labhairt ach mu Chriosd, oir anns an t-searmon |a labhair e air la na oaingis thubhairt e nach gabhadh na briathran so a bhi air an coimh- lionadh ann an Daibhidh do bhrigh gu 'n d' fhuair Daibhidh bas agus gu 'n d' adh- laiceadh e, agus gu'n robh 'uaigh r'a faicinn gus an la 'n diugh. Tha e ag radh gur h-ann mu aiseirigh Chriosd a bha an salm- adair a' labhairt air dha fhaicinn roimh laimh nach faiceadh 'fheoil truaillidheachd. Chleaehd Pol an argumaid cheudna ann an Antioch agus thugj e (seachad mar aon de na dearbhaidhean gu 'n d' eirich Criosd an fhaisneachd a rinn an salmadair "Cha 'n fhuiling thu do d' Aon naomh gu 'm faic e truaillidheachd . " Gniomh xiii. 35. Chunnaic feoil Dhaibhidh, tha e ag radh, truaillidh- eachd agus mar sin cha robh na briathran air an coimlilionadh ann, ach an ti a tliog Dia suas cha 'n fhae' esan truaillidheachd. Cha ruig sinn a leas dad a radii air ^' chuis sin an drasd ach faodar a' cheist fheoraich an robh dochas na beatha mair- eannaich aig an t-salmadair fein ? Cha 'n 'eil dochas na beatha maireaniiaich anns an t-seann Tiomnadh ach mar sholus fann. Cha robh na li-Iudhaich am beachd gu 'n robh spiorad mhio an duine a' basachadh an uair a dh' fhagadh an anail an corp, ach cha robh meas mor sam bith aca air an staid anns an robh an spiorad a' dol a steacli. Thcireadh iad ri ionad comhnuidh nam marbh Sheol, an t-aite fuar, iomallach, dorcha anns an robh araon an t-aingidh agus am firean air an tilgeadh aig uair am bais, aite anns nach robh obair no grian no solas, tir dorchadais mar dhuibhre sgail a' bhais, agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solus mar dliorchadas. lob x. 22. B' e Sheol tir na dichuimhne, Cha 'n 'eil fios ni air bith aig na mairbh agus chaidh as mar an ceudna d' an gradli agus d' am fiiath agus d' am farmad. Eccles. ix. 5. Ann an Sheol cha robh eadar dhealachadh eadar am firean 's an f-aingidh; cha robh an t-ion- racan a' faotainn duals no an t-eucorach a' fulang peanais. Ach b' e searbhadas na tire so uile gu leir nach faicte gnuis Dhe innte agus nach robh co-cliomunn tuilleadh aca- san a I'achadli a steacli do staid nam marbh ri Dia. Anns a' bhas cha 'n 'eil cuimhne

22

oi't a Dlie, ag-us anus an Sheol c6 bheir cUiuit €liu.. Salm vi. 5. Gu deimhin cha dean Sheol luaidh ort, cha chuir iadsan a theid sios do 'n t-slochd an doigh ann a'd fhirinn. Isaiah xxxviii. 18.

Ach ged bha taobh thall na h-uagha air a chuartachadh le ceo is dorchadas do na h-Iiidhaich fad iomadh linn, agus ged nach Tobh iad ag altrum an dochais a tha aig creidmhich anns na laithean so, bha an solus &' fas uigh ar n-uigh agus rainig euid dhiubh air earlais de 'n fhirinn a theagaisg Criosd do 'n t-saoghal, an uair a thug e beath' is neo-bhasmhorachd gu solus tre chumhachd 'aiseirigh. Bha cuid de na seann naoimh a' gluasad cho dluth ri Dia agus bha faireachduinn cho beo aca air lathair- eachd Dhe agus air na solasan a bha comp- anas lehobhah a' dusgadh 'nan anam, 's nach robh e furasda leo a chreidsinn gu 'n tigeadh an la anns an rachadh an co- chomunn sin a bhriseadli. Eha faireach- duinn aca air lathaireachd Dhe anns a' bheatha so nach 'eil aig moran dhaoine an diugh. Co a th' ag-am anns na neamhan ach thu, agus ann an coimeas riut cha 'n 'eil neach air thalamh air a bheil mo dheigh ? Salm Ixxiii. 25. Cia luachmhor leamsa do smuaintean a Dhe; 'nuair a dhuisgeas mi tha mi a ghnath maille riut-sa. Salm cxxxix. 18. Aon ni ghuidh mi air an Tigh- earna, a bhi a'm chomhniudh an tigh an Tighearna re uile laithean mo bheatha, chum gu 'm faieinn maise an Tighearna. Salm xxvii. 4. Bha am beatha foluichte ann an Dia agus bha a bheatha sin cho solasach leo 's nach diiraiclideadh iad gu 'n tlg-eadh i gu crich. B' e an duraohd sin mathair an creidimh anns a' bheatha mhaireannaich. Bha a' bheatha a bha iad a' sealbhachadh cheana ann an co-chomunn ri Dia cho laidir 's cho solasach 's gu 'n robh iad fiosrach na,'h faigheadh am bas buaidh oirre, agus tha an salmadair ag radh anns an t-salm so gu'n do rinn a chridhe g-airdeachas agus gu'n robh flieoil a' gabhail fois ann an dochas a chionn gu 'm b' e lehobhah a Thighearna, agus nach fagadh e 'anam ann an Sheol. C-red bha Sheol a' fosgladh a bheoil chum a shlugadh suas, bha Dia air a dheis laimh agus cha dealaicheadh e ris. Mar sin bha e cinnteach nach b' e am bas a chuibhrionn ach gu 'm faigheadh e beatha is tuilleadli beatha, lanachd na beatha a tha .sruthadh o lehobhah.

Anns an t-salm so cha 'n 'eil neo - bhas mhorachd an anma air a theagasg mar fhir- inn a dh' flioillsich Dia do 'n t-salmadair, ach tlm an salmadair o fliiosrachadh fein air cumhaohd beatha Dhe an taobh a stigh dheth

a' deananih greim air an dochas mhor sin; agus tha an dochas mar reul-iuil d'a anam anns an dorchadas. Gred nach 'eil e ag radh moran mu 'n bheatlia a ta ri teaehd tha e ag altrum dochais nach bi cumhaohd sam bith aig a' bhas thairis air, do bhrigh gu bheil e ann an dainih cho dluth ri Dia agus gur e Dia beatha anma. Cha robh an dochas so aig a luchd duthcha uile, a chionn nach robh am fiosrachadh ceudna aca a bha aige- san air lathaireachd Dhe is cumhachd Dhe 'na anam. Na'n rachadh a' oheist a chur air, Carson a tha thu creidsinn ann am beatha air taobh thall na h-uagha, theireadh e Tha beatha Dhe annam cheana, agus do bhrigh gu bheil Dia siorruidh bidh mo chomunn-sa ris siorruidh mar an ceudna. Is e beatha Dhe annam dochas na gloire.

Chaidh iomadh bliadhna agus ginealach seachad o reusanaich an salmadair ri 'anam fein air an doigh so, ach gied tha an saoghal Criosduidh uile a' gabhail ris an fhirinn a dh' fhoillsich Criosd mu 'n bheatha mhair- eannaich, tha, sinn an duil nach 'eil ni sam bith eile a bheir do dhaoine dearbhachd air neo-bhasmhorachd an anma cho cinnteach ris an fhiosracliadh a bh' aig an t-salmadair. Is aon ni e gu 'n cuireadh daoine an aonta le'm bilean ri creud na h-eaglais agus gu'n abradh iad, Tha sinn a' creidsinn anns an aiseirigh o na marbhaibh; ach is ni eile e gu 'n abradh iad, Tha dearbhachd againn nach fag e ar n-anam anns an uaigh, oir tha Criosd annainn, dochas na gloire. Faod- aidh neach creidsinn ann an neo-bhasmhor- achd le 'inntinn a chionn gu 'n do theagaisgeadh an fhirinn sin dha o 'oige, ach creididli e ann an neo-bhasmhorachd le 'chridhe 'nuair a dh' fhiosraicheas e cumh- achd na beatha maireannaich ann fein. Tlia fior chreidimh anns a' bheatha mhaireann- aich a' toiseachadh ann an anam an duine, an uair a tha e air a blu'eith a ris le cumhachd an spioraid naoimh. Cha 'n aithne dha a' bheatha mhaireannach gus am fios- raicih e i; ach cho luath 's a tha a' bheatha sin a' toiseachadh air rruth 'na chuislean, tha dochas na h-aiseirigh ag eirigh gu Ian dearbhachd. Agus air an laimli eile, ma tha duine aineolach air Dia agus as eug'inhais na beatha spioradail a tha foluichte ann, ma tha a chridhe 'e a dhochas gu buileach anns an t-saoghal so, agus ma 's biadh is deoch is ceol dha na nithean a tha aimsireil is faicsinneach, cha bhi soisgeul na h-aiseirigh ach mar fhuaim 'na chluasan. Ii^ e Criosd an aiseirigh agus a' bheatha agus is e iadsan anns a bheil beatha Chriosd ag oibreachadh cheana aig a bheil an fhianuis

23

<iu taobli a stigli dliiubh gu blieil iacl neo- bhasmhor. Tha an tomhas beatha a fliuair iad 'na earlais dhaibh air an lanachd air an ruig- iad fhathast. Cha ghabh e dearbh- adh do neach sam bith le argumaid gu blieil e fein neo - bhasmlior mur 'eil a' blieatha mliaireannacli air a gliiidan clieana, aoh ma tha a bheatha foluichte maille ri Criosd ann an Dia bidh a' clieart dearbhachd aige a blia aig an t-salmadair, nach 'eil e coniasacli do chumhaclid Bam bith air neamh no air thalamh a sgaradh o ghradh is co- chomunn Dhe.

So doehas ait uau anma naomh O'n Slanuighear caomh an traths' A thug- an Spiorad dhaibh maraoai Mar sheul' is earlais g-raidli.

Gach neach 'g am bheil an doehas so 'jSTa chomliradh is 'na ghniomh Biodli deigh aig' air bhi naomh is glan Ceart amhail a bha Criosd.

LEABHAR ESTEIR.

Tha an leabliar so ag innseadh dhuinn mu nithean sonruichte a thaehair ann an rioghachd Pliersia an uair a bha ligh Ahasuerus air a' chrun.

Air do 'n righ a bhi tri bliadhna &,' rioghachadh rinn e fleadh, an toiseach do mlraithean na duthoha uile agus d'a sheirbhisich, agus an deig-h sin do mhuinntir Shusain. Tha e coltach gu 'n do rinn e an gnothuch gu rioghail, oir mhair fleadh nan iiaislean sia miosan, agus an te eile seachduin. Bha fion rioghail ann am pailteas, mar a thigeadh do'n righ, agus soithichean oir chum am fion 61 asda. Aig deireadh na cuirme, 'nuair a bha cridhe an righ subhach le deocli dh' iarr e air na seachd caillteau- aich a bha a' frithealadh dha Bhasti a tlioirt an lathair na cuideaohd. B' e Bhasti a' bhan- righ. Bha i anabarrach maiseach, agus bu mhaitli le Ahasuerus gu 'm faiceadli na h-aoidhean maise a mhnatlia mar chunnaic iad elieana oirdheirceas a thighe. Acli bha Bhasti 'na boirionnach beasaeh, banail, ag'us cUiiult i i fein a noclidadh do 'ii ghraisg-. 'Nuair a dh' innis na caillteanaieh so do 'u righ las fearg 'na chridhe. ChuiV e a teh'omh- airle ri daoine glice, ciod a bu choir dha a dheanamh. Tha e coltach gu 'n robh mnathan aig na daoine glice iad fein agus is e a chomhairle a thug iad air an jigh Bhasti a cliur bhuaith agus te eile a ghabhail 'na h-aite, air clior 's nach lean- adh mnathan na duthclia a h-eiseimpleir

's nach deanadh iad tair air am fir. Is e so a rinneadh. Chuireadh fios air feadli na duthclia na h-6ighean a bu sgiamhaiclie no each a chruinneachadh gu lucliairt an righ ann an Susan, chum 's gu 'n taghadh e asda te a chuireadh e ann an aite Bhasti. Luidh a sliuil air Ester, ban-Iudhach agus dilleachdan a thogadh ann an tigh Mhordecai bratliair a h-athar. Dh' iarr Mordecai oirre gun innseadh do 'n righ gu'm bu bhan- ludhaeh i. Fhuair i gean maith ann an latliair Ahasueruis os cionn nan oighean uile aguB chuir e an erun rioghail air a ceann. Beagan 'na dheigh so chuala Mordecai os iosal gu 'n robh dithis de na caillteanaieh a" maoidheadh lamli a chur am beatha an rigli. Thug e rabhadh do Ester, thug Ester rabhadh do 'n righ, chaidli na caillteanaieh a ehrochadh agus egiiobhadh ann an leabhar eachdraidh an righ gu 'n do tliearuiun Mor- decai a bheatha.

Am measg seirbliisieh an righ fhuair Haman gean maith os eionn eliaich, agus dh' orduieli Ahasuerus gu 'n deanadh na seirbliisieh eile am beic dha. Rinn iad so uile acli a mliain Mordecai. Faodaidh gu'n robh seann ghamhlas eadar an dithis. Bha fios aig Mordecai gu 'n robh fuatli aig Haman do na h-Iudhaieh, agus mar ludhach dileas cha liibadh e a ghlun do neach a bha deanamh tair air a luchd duthcha. Chuir Haman roimlie gu 'n euireadh e dubhan ann an srou Mhordecai agus chomhairlieh e do 'n rigili; a h-uile ludhach a bli' anus an duthaich a mliarbhadh air latha sonruichte. Chuir e mar fhiachaibh air Ahasuerus nach robh e air son leas a riog-'hachd sluagh fhulaiig nach I'obli a' coimhead cleachdanna na duthclia, agus aig an robh laghanuan air letli seach gach sluagh. Thug an righ cead do Haman e dheanamh mar b' aill leis, agus chuir Haman a maeh gillean-ruithe air feadli na tire uile ag orducliadh na h-Iudiiaieh a sgrios. Bha bron mor am measg nan ludhach agus trasg-adh agus gul agus caoidh. Dh' innis Mordecai do Ester mu 'n bliiiin a chaidh a thoirt a maeh an aghaidh la luchd duthclia, agus dh' iarr e oirre tagradh lis an righ as an leth. Air do Ester gean maith fliaotainn ann an suilean an righ a lithist, glieall e dhi gu 'n tugadh e dhi rud sam bith a dh' iarradh i igu ruig leth na rioghachd. Rinn Ester cuirm agus dh' iarr i an righ is Haman 'g a h-ionnsuidli. Aig a' chuirm, an lathair Hamain, thug an righ dhi an tairgse a rithist, gu 'm faigheadh i a li-iarrtus gu leth na rioghachd, agus a rithist b' e iarrtivs Esteir gu 'n tigeadh e fein is Haman gu euirm eile am maireaeh.

24

Bha Haman air a sJieideadh suas le uabhar a chionii gu 'n do shuidh e aig bord maille ri Aliasuerus is Ester, ach tlireig subhachas a chridli' e 'nuair nacli do rinu Mordecai modh dlia anns an dol seachad. Dh' innis e d'a mhnaoi mar dli' eirich dha agus chomh- airlich i dha croicli a dheanamh deas air son Mhordeeai. Thaitinn an ni ri Haman agus rinu e croieli a bha leth cheud lamh-choille ail- airde.

An oidhche sin theich cadal an righ uaith agus dh' iarr e air a luchd frithealaidh iad a leughadh dha a leabhar eaohdraidh pa rioghachd. Thainig am fear leughaidh thairis air ainm Mhordeeai agus mar thear- uinnebeatha an righ. Dh' fheoraich an righ ciod an diiais a thugadh do Mhordeeai air son a gliniomha, agus fhreagair am fear leughaidh naeh d' fliuair e duais sam bith. 'Nuair a thainig Haman an lathair an righ 's a' mhaduinn thuirt an righ ris ciod a nithear do 'n duine air an toil leis an righ urram a cliur? Shaoil Haman feineil gur e e fein a bh' aig an righ 's an amharc, agus dh' ainmich e an t-urram a b' airde air am b' urrainn e smuaineachadh . Ach thuirt an righ ris Greas ort, racli a maeh ao-us dean mar sin do Mhordeeai oir is esan an duine air an toil leis an righ urram a chur. 'Nuair a dh' innis Haman so d'a mhnaoi 's a ghearain e [an tamailt a cliuir- eadh air, thuirt i ris gu 'n eireadh na bu mliiosa dha fhathast, oir ma b' ann do shliochd nan ludhach Mordecai nach buadh- aicheadh e 'na aghaidh.

Chaidh Haman a rithist maille ris an righ gu fleadh Esteir mar dh' iarr i air. Air do 'n righ a h-iarrtus a thairgsinn dhi as lir eadhoin gu leth na rioghachd, dh' innis i mil 'n leir-sgrios a bhatar a' dol a dhean- amh air a luchd duthcha agus dh' iarr i air ceartas a thoirt dhaibh. Co e a's mathair aobhair do 'n olc so, ars' an righ. Hamau, ars' Ester. Las corruich an righ agus chois- idlif e a mach as an t-seomar. Ghabh Haman an t-eagal agus 'nuair a dJi' fhalbh an righ, thui,t e air a gluiuean agus rug e air Ester ag- asluchadh trocair. Air do 'n righ tilleadh as:us Haman fhaicinn anns an it-suidheachadh anns an robh e bhuail e 'na cheann gu 'n robh e mi-mhodhail ri Ester agus dh' iarr e air na eaillteanaich breith air agus a chrochadh ann an larach nam boiin. Ghroch iad e air a' chroich a rinn e air son Mhor- deeai. Agus chuir an righ Mordecai ^n aite Hamain .

Cha ghabhadh an t-ordugli a ehuireadh a mach ann an ainm an righ mu sgrios nan ludhach toirt air ais (oir cha ghabhadh

laghannan nam Persach 's nam Medaeh ath- arraehadh) ach chaidh fios a chur a mach a dh' ionnsuidh nan ludhach iad 'g an dion fein mar a b' fhearr a b' urrainn dhaibh. Tha e coltach gu 'n do rinn iad sin le sgairt oir mharbh iad na miltean 's na miltean de mhuinntir Phersia. Agus fhuair na h-Iudhaich fois o an naimhdean, thionnd- aidh am bron gu h-aoibhneas, agus an doilghios gu am maith, agus dh' ainmieh iad na laithean sin Purim agus shuidhich iad gu 'm biodh iad air an gleidheadh naomh mar cho-ainm nan laithean anns an d' fhuair iad buaidh air na naimhdean a dh' iarr an sgrios.

Am measg nan ludhach bha meas mor air an leabhar so ach cha robh e riamh ro phriseil an suilean na h-eaglais Chriosduidh. Cha bu toigh le Luther idir e, ag-us bha is tha moran dhiadhairean de 'n bheachd nach bu chall mor sam bith do 'n Bhiobull ged nach robh leabhar Esteir ann idir. Is e an aon leabhar anns a' Bhiobull anns nach 'eil ainm Dhe air ainmeachadh agus faodar a radh nach 'eil leabhar anns an t-seann Tiomnadh a tha cho fada air falbh ris o theagasg- "s o ispiorad an t-soisgeil. Cha 'n 'eil iomradh ann air crabhadh no irioslachd no diadh- aidheachd, agus cha robh ni sam bith anns an t-sealladh aig an fhear a sgriobh e ach greadhnachas saoghalta nan ludliach. Tha aon de na h-athraichean ag radh gu bheil uiread eadar-dhealaehaidh eadar leabhraich- ean eile an t-seann Tiomnaidh is leabhar Esteir 's a tha eadar neamh is talamh. Ach air a shon sin tha 'aite fein aig an leabhar so anns a' Bhiobull, agus tha e feumail a chionn gu bheil e a' toirt iomraidh air pairt de dh' eachdraidh nan ludhaeh a bhiodh air chall as eugmhais. A reir coltais, chaidh an leabhar a sgriobhadh chum rabhadh a thoirt do na h-Iudhaich gun dearmad' a dheanamh air an Fheill a tha air a h-ainmeachadh ann agus a bha air a ceimhead le 'n athraichean mar chuimhneachan air a- bhuaidh a fhuair iad ann an laithean Ahasueruis. Ach g-ed is e so an t-aobhar airson an deachaidh an leabhar a sgriobhadh, faodar fhoghlum uaith gu bheil Dia a' gabh- ail curaim d'a shluagh taghta fein. 'Na fhreasdal glic is cumhachdach uisnichidh e ruint«an olc is gamhlas dliroch dhaoine chum a thoil mhaith a choimhiionadh . Is e an leasan sonruichte a tha leabhar Esteir a' teagasg, nach teid aig daoine air eron sam bith a dheanamh air an duine air an toil le Dia urram a chur, agus gu bheil gach ni anns an t-saoghal ag oibreachadh chum maith a shluaigh.

.4

Air 7.

1911.

TEARMUNN A; CHEEIDMHICH.

Ati uair a shiubhlas tu Iroimh na h-uiigeachan, hidh mise niaille riut ; agus troimh na h-aibhnichean, cha tig iad tharad ; an uair a dh' imicheas tu Iroimh an teine cha loisgear thu. Isaiah xliii. 2.

Labliair am faidh na briatliran so chum misneach a tlioirt do shluagh Israeli an uair a bha iad ann am braig-hdeanas ann fim Babilon. Bha freasdal Dhe a' gluasad ann an doighean diomhair agus bha cuisean aig an am cho dorcha 's gu 'n do thuit iad ann an diobliail misnich, 's gu 'n do thoisich iad air a radh. " Tlia mo shlighe foluichte o'n Tighearna, tha mo choir air a leigeadh air dearmad le moDia." Isaiah xl. 27. Air gach taobh bha iad a' faicinn cunihachd Bhabiloin agus g-ach latha bha iad a' faireachduinn cudthrom lamh an fhir-sharuchaidh gus mu dheireadh an do luidh dubh-bhron air an eridhe agus an do chaill iad an dochas gu'n saoradh Dia iad as an tir choimhich ud. B"e sin an suidheachadh truagh ann.s an robh sluagh Israeil an uair a liubhair am faidh an sgeul aoibhneach so dhaibh agus is e suim a theachdaireachd

Ur-mhisneaoh glacaibh, 'naoinih gun treoir

Na neoil is diiircli' tha Ikn

De throcair ohaoimh is doirtear leo

Oirbh maitheas mor gun dill.

Tha e lag- innseadli dhaibh gu bheil an t-am dluth anns am faig-h iad saor,sa o chuing an luohd-saruchaidh do bhrigh gu'n do thionnd- aidh an Tighearn a chorruich air falbh uapa. Ged a ^^heacaich Israel an aghaidh an Tigh- earna cha do ghleidh esan a chorruich gu siorruidh do bhrigh gu 'm bu toigh leis troc- air. Bha am faidh cinnteach gu'm b'e eeann- airc a luchd duthcha an ag-haidh lagh |a,n Tighearn a b' aobhar do na trioblaidean 's na truaighean a thainig orra, ach air dha combarran na h-aimsir a leughadh, tha e ag radh riu gu bheil laithean an smaohdachaidli a nis seachad, ag-us gu bheil aghaidh {in Tighearn air a tionudadh orra ann an caoimhneas is sitli air chor agus nach ruig iad a leas a bhi fo eagal " An viair ja shiublilas sibh troimh na h-aibhnichean cha tig iad thairis oirbh; an uair a dh' imicheas sibh troimh an teine cha loisgear sibh agus cha dean an lasair greim oirbh." Anns an t-seann Tiomnadh tha teine is uisge air an gabhail gu bitheanta mar shamhladh air cunnartan is trioblaidean na beatha so. Ann an aon aite tha an salmadair ag radh "chaidh do stuaidhean agus do thonnan tharum," ag-us ann an aite eile, tha g ag radh "chaidh sinn

ti'oinih theine agus troimh uisge," agus is e a bha e a' eiallachadh leis an doigh bruidhne sin, na h-amhghairean 's na gabhaidhean a thachair ris air a thurus. Faodar mafa an teine 's an t-uisge air a Bheil am faidh a' labhairt anns a' chaibideal so a ghabhail anns an t-seadh a's farsuinge agus na briatli- ran a g-habhail mar ghealladh priseil a thug- Dia, cha 'n ann do chloinn Israeil a mhain ach d'a shluagh anns an la an diugli, gu'm bi e maille riu anus g-ach teinn.

I. Cha 'n 'eil am Biobull a' teagasg gu'u seachain duileadasan is trioblaidean an t-saog-hail sluagh an Tighearna mar nach seachain iad daoine eile. Bha salmadairean is athraichean Israeil am beachd gu bheil am firean a' faotainn tuilleadh 's a roinn fein de thrioblaidean na beatha, agus bha iad a' tigh'nn thairis gun sgur air diomhaireachd freasdal an Tiglliearn, ann a hhi toirt searbh- adas anma d'a shluagh am feadli 's a bha e a' toirt sith is suaimhneas do na h-aingidh. Theap am fear a sgriobh Salm Ixxiii. la chreidimh a chall an uair a bheachd- smuainich e air cor nan aingidh an coimeas ri cor na feadhnach a bha glan nan eridhe. Slieall e mu 'n cuairt air ag-us chunnaic e, air an dara laimh, " nach 'eil na h-aingidh air an saruchadh mar dhaoin eile, tha iad a' soirbheachadli anns an t-saoghal, a' faotainn miann an eridhe," agus chunnaic e, air an laimh eile, " gai bheil am firean air a bhual- adh g-ach la agus air a smachdachadh gach maduinn." Ged bha so 'na chnap-starra do'n t-salniadair, cha 'n 'eil e a' ciu- drag-h air inntinn chreidmheach an diug-li oir tlia iad a' tuigsinn freasdal Dhe na's fhearr no thuig esan e, agus tha iad a' faicinn gu bheil Dia a' riaghladh an t-saoghail le laghannan seasmhach nach 'eil ag amharc air pears- aibh seach a cheile agus aig nach 'eil claon bhaigh ri aon neach seach ueach eile. Tliig bron is bochdainn is trioblaid is bas g-u dorus an fhirein cho "cinnteach 's a thig iad gudorus an aingidh, agus a thaobh trioblaid- ean coitchionn na beatha so tha clann nan daoine a' faotainn an cuibhrinn fein, ico dhiu a tha iad boclid no beairteach, no co dhiu a tha iad g-lan no salacli 'nan eridhe.

II. Ach ged nach saor Dia a shluagh o thrioblaidean air a bheil na h-uile 'nan oigh- reachan tha e a' toirt geallaidh dhaibh gu'm bi e maille riu ann an la an deuchainn air chor 's nach eirich olc dhaibh. Ged bheucas na h-uisgeachan 's a eheideas an'doinionn cha teid na tuiltean thairis orra oir ni aiua'eal a

26

lathaireachd-san an tearnadh. 'Nau uile amhghairean tha esan a' fvilang maille riu agus bheir oo-fhaireachduinn an Athar neamhaidh comhfliurtachd is solas d'an anam. 'Nuair a (fcliainig losa gu crioch a tliuruis air thalamli 's a Taha cuisean cho dorcha 's a ghabhadli iad a bhitli 's a dh' fhag na deisc- iobujil e gTis an t-slig-he gu Calbhari a ghabh- ail 'na aonar, thuirt e riu, " Tha 'n uair air teaclid anns am fag sibh mise a'm aonar," gidheadh, ars' esan leis an ath anail, "cha 'n 'eil mi a'm aonar oir feuch tha 'n t-Athair maille rium." Anns an aon fhacal sin thilg e solus air cursa a bheatha gu leir. B'e an fhaireachduinn a bha aige a g-hnath air lathaireachd Dhe an tobar as an do tharr- uirUg* e sith is misneach am measg doilghiosan an t-saoghal. Chaidh e troimh uisge 's troimh theine chum 'obair a chriochnacliadh, ach eadhoin ann an Getsemane fhuair e buaidh air an t-saoghal a ehionn gu'n robh e cinnt- eacli gTi'n robh Dia maille ris. Is e lathair- eachd Dhe acair an anma an uair a bhios feoil is cridhe nan creidmheach a' failneach- adh. Is ann uaith-san a gheibh iad faigliidin gu bhi samhach an uair a g-hairmeas doimhn' air doimhnp 's a theid na tounan thairisorra. A ehionn gu bheil iad eolach air a cliaomh throcair 's air a chaoimhneas graidh, cuiridh iad an earbs ann eadhoin 'nuair a threor- aicheas e iad air slighe chruaidh dhorcha. Ann an la an teinn gairmidh iad air Dia, agus iadsan a dJi' fheitheas air an Tighearna, ath-nuadhaicMdh iad an neart. Ged nach trie le Satan an fhirinn innseadh dh' amais e oirre an uair a thuirt e ris an Tig-hear na, "Nach do chuir thu garadh mu'n cuairt air lob." Tha Dia a' cur garaidh mu'n cuairt air a sheirbhisich uile.

Ceart mar a ta na beanntan mor Timchioll lerusaleim, Mar sin tha Dia a nis 's gu sior Timchioll a phobuill fein.

Cha 'n ann aon uair ach mile uair a tha 'n fhirinn so air a cur sis 'na Phacal naomh agus ma chailleas a shluagh am misneach, cha n ann a ehionn nach 'eil geallaidhean ann am Faeal an Tighearn air am faodadh iad an taic a leigeil. O mhile beul ann an ooisir bhinn nan neamh tlia an sgeul aoibhn- each a' teachd "An uair a theid thu troimh na h-uisgeachan bidh mise maille riut agus troimh na h-aibhnichean cha tig iad thairis ort."

III. Cha 'n 'eil e air uairean furasd a thiugsinn ciamar a ghabhas ar call a dhean- amh suas no ar cridlieachan a leigheas no ciamar a's m'rainn gradh is caomhalachd Dhe a bhi air cul f reasdal searbh, ach is e ar gliocas a bhi samhach is faighidinn-

each a ehionn gur esan Dia. Oibrichidh faighidin dearbhadh, agus dearbhadhdochas; agtis iadsan a chuireas an dochas a ghnath ann an Dia, ath-nuadhaichidh iad an oige 's an neart. Eadar am breith 's am bas tachraidh bron is trioblaid is deuchainnean air a' mhor-chuideachd de dhaoine a bhris- eadh an cridhe 's a dh' fhagadh iad gu breoite truagh mur b'e gu bheil Lighiche caomhal dluth dhaibh a tha ag oibreachadh gun sgur le feartan diomhair a ghrais. Ann an doighean nach aithne dhaibh tha an Tighearn ag urachadJi am misneach 's an neart agus a' cur togar 'nan cridhe is oran molaidh 'nam beul ged a shaoil iad p,on uair nach tilgeadh iad dhiubh an sac-eudach 's an luaithre gu brath tuilleadh. Carson, mata, a tha thu air do thilgeadh sios 0 m' anam? Tabhair suas do shlighe do Dhia agus gheibh thu fasg-adh fo sgail an Uile- chxmihachdaich. Cha bhi eagal orm anns an dorchadas oir bidh an Tighearna 'na sholus dliomh aarus treoraichidli e mo cheum.

EALAIN NA SLUASAID.

Faodaidh sinn an t-ainm so a thoirt air obair nan daoine sin a bhios a' rurachadh sheann laraichean is dhunan feuch ciod an treathlaich a thachras riu. Cha 'n ann air sgath an slainte no air ghaol gu 'm .■ faigh iad poit chreadha Ian de dh' or a bhios an seorsa so a' ruamhar leis an t-sluasaid,' ach air g-haol fiosrachadh fhaotainn mu na linnt- ea^ a (jlh' fhalbh. Tha e aii- a riadh le daoine glice gu bheil an Fhirinn shios ann lan grunnd tobair, agus ma's fior an radh sin, ciod an inneal a's freagarraiche gu ruigh- inn oirre no sluasaid?

Ceart mar a tha an gloir fein aig grian is gealach, tha a' ghloir fein aig gach fear- ceaird a tha ag obair air Teampull na Fir- inn. Tha .na miltean bliadhna o thoisich an cinneadh daonna air an teampidl sin a thog-ail ach fhathast cha 'n 'eil e criochn- aichte. Tha gach linn a' cur sreath air na ballachan agus an sin a' deanamh aite do linn eile; agus is leoir an t-urram; e do neach sam bith gu 'n cuireadh e aon chlach anns an togail. Tha aon giiloir aig an fhear a leageas bunait, is gloir eile aig an fhear a shnaigheas clach oisein, is gloir eile aig an fhear a ni puist riomhach, ach saoilidh sinn gu bheil gloir a tha toirt barrachd aig luchd na sluasaid. As eug-mhais an saothrach-san cha bhiodh clachan aig each air an cuireadh iad snas. Ged a bhithear gu bitheanta a' labhairt mu bhodach na sluasaid mar dhuine aig a bheil seillean 'na bhoinneid, cha 'n 'eil neach eile a's motlia a chuir comain no e air daoine ciallach aig- a bheil gaol air eolas

I

J

27

is firinn. Faodaidli gn 'n abair feallsanaich bhriathrach a shuidheas aig taobh an teine aun an catliair da-laimbe a' sniomli bheachdan faoine a mac-meamna an inntinn mar p, shniomhas am figheadair an snath as a' bhalg- naeh 'eil anns a' bhodach ach fear gearr- aidh-fiodlia is fear tarruing-uisge an coimeas riu-san. Ach am feadh 's a tha iadsan a' dorchachadh comhairle le briathran gun eolas agus a' cur tuainealaich 'nan ceann fein 's an ceann dhaoin eile le facail atmhor gTin bhun gim bharr, glacaidh am bodach a shluasaid agus gu reidh faig-hidinneach bheir e air cladh, 's air dunan, 's air seann laraichean, 's air uaimh, 's air creagan an eachdraidh innseadh dha. Bheir e am follais nithean a bha folaichte o chionn nan ceudan bliadhna, agus uigh ar n-uigh cuiridh e fuil is feoil air na cnamhan tioram gus an toir e na linntean, 's na daoine, 's na beathaich- ean a bha aon uair ann, ach a shiubhal air falbh, m' ar eoinneamh cho soilleir ris an rud a tha sgriobhta le peann is dubh. Cha 'n 'eil cearn de'n t-saoghal air nach do rainig am bodach so, no anns nach cluinnear gliong a shluasaid. Cha 'n 'eil tamli a' dol air, 's cha 'n aithne dha sgitheas no leisg. Anns na h-Innsean an Ear, ann an Assiria, anns an Eiphit, ann an Jerusalem, anns an Aithne, anns an Eoimh, an Crete, an Ephesus, 's an Antioch, chithear e a' ruamhar an talanta cho dichiollaoh ri famh-thalmhainn, an toir air seann treathlaich is gibeagan is gideamas a chuireas solus dha air beatha ~'s (air cleachd- anna nan linntean a dli' fhalbh. Is coingeis leis ciod a thachras ris; sgonn de chnaimh, no stiall de phaipeir, no bonn airgid, no cluas crogain, no cas poite, no criomau adh- airc tilgidh e iad uile 'na mhaileid chum an ceasnachadh air a shocair an iieigh laimhe. Agus is e sin na fianuisean nach ■dean breug! Do neach a thuigeas an cainnt cuiridh lan-an-diiirn dhiubh solus air beatha is gnaths is laghannan rioghachdan air nach 'eil sgeul an diugh, agus air a.m bitheamaid aineolach gu tur mur bitheadh am bodach 's a shluasaid. Anns na seann .sgeulachdan cluinnear iomradh air slachdan- draoidheachd a dhuisgeadli as an suain daoine a bha fo gheasaibh, ach anns an la an diugh is e an t-ord 's an t-sluasaid na slachdain-draoidheachd a dhuisgeas an seann saoghal a marbhantachd na dichuimhne.

Ach tha 'n t-am ag-ainn innseadh ciod a thug oirnn tarruing a thoirt air a' chuspair so. Bha sinn a' leughadh leabhair o chionn ghoirid anns a bheil an t-ughdar a' feuch- ainn ris a' cheisd a fhreagairt Ciod B aireamh nan Criosduidhean anns an Roimh anns a' cheatliramh linn? Ma bha an eaaiais

anus an linn sin a' gleidheadh leabhraich- ean anns an robh ainmeannan an luchd comanachaidh air an cumail mar tha iad air an cumail le cleireach an t-seisein an diugh, cha ghabh iad faotainn a nis, p,ir chor 's naeh 'eil iadsan a bhruidhneas mu aireamh nan creidmheach anns na laithean sin ach a' labhairt mu thuaiream. Tha Gibbon ag radh gu 'm b'e aireamh an t-sluaigh ann an iompaireachd na Roimhe uile gu leir, sia fichead muilean. Tha e ag radh gu 'n robh duine 's an fhichead dhiubh sin ag aideachadh a' chreidimh Ghriosduidh air chor 's gu 'm b'e aireamh nan creid- mheach, a reir a bheachd-san, letli cheud mile ann am baile na Eoimhe, agus sia muilean anns an iompaireachd uile. Tha moran de luchd eachdraidh a' gabhail facal Ghibboin mar shoisgeul ach cha 'n 'eil an t-ughdar a sgriobh an leabhar air an d' thug- mi cheana iomradh idir toiliehte leis, ag^us tha e a' feuchainn ri dheanamli a mach gu 'n rolbh na Criosduidhean na bu liou- mhoire no tha an luchd-eachdraidh am beachd. Agus ann a bhi dearbhadh a phuinge tha e a' cur cudthrom mor air an arg-umaid ris am faod sinn a radh, argumaid na sluasaid.

Lc argumaid na sluasaid tha sinn a' ciall- achadli an solus a tha na seann aitean-adhlaic anns an Eoimh a' tilg-eadh air aireamh nan Criosduidhean. Theirear ris na h-aitean- adhlaie sin anns a' Bheurla, catacoms. Tha iad air an gearradh as na creag-an fo'n talamh, coltach ris na rathaidean caola cumli- ann sin a thithear a' g-earradh anns na cnuic airson an eich iaruinn. Dh' amais de na catacoms sin air bodach na sluasaid cheana, agus tha e ag innseadh dJiuinn gu bheil iad ceithir cheud mile air fad, na'n robh iad air an cur ceann ri ceann. Bha e 'na chleachdadh aig na Cinnich anns an Roimh na mairbh a losgadh, ach cha bu toigh leis na Criosduidhean an doigh sin ag-us fhuair iad cead am mairbh a thiodhlacadh ann an seomraichean caola fo'n talamh, cho domhain 's gu 'm faodadh am beo eoiseachd OS an eionn gun fios ciod a bha fo chois. Thoisich iad air tiodhlacadh anns na seom- raichean sin mu 'n bhliadhna 72 agais sguir iad mu 'n bhliadhna 410, 'n uair a thilg na Grothaich baile mor na Eoimlie gu lar. Tha cuid de na seomraichean beag- is cuid dhiubh mor; tha cuid dhiubh cho ard 's g-u bheil cuig sreathan de chuirp air an cur os cionn a cheile anns na ballachan, a tholl fein aig gach marbh, dealaiohte o chach. Ged nach 'eil e furasda na mairbh a tha anns na Catacoms a chunntas, (:lh' fheuch bodach na sluasaid r'a dheanamh,

28

agus is arm air a' chimntas a rinn psan orra a bha an t-uglidar eile a steidheachadh 'arg-umaid, agus a' deanamli a maeli gu 'n robh na Criosdiiidliean na bu lionmhoire no bha Gibbon am beachd. Bha an argumaid a' dol mar so:

(1) Cha robh air an tiodhlacadh anns na catacoms ach Criosduidhean.

(2) Cha 'n 'eil air an tiodhlacadh annta ach deich ginealan, no aig a' chuid a's motha aona gineal deug.

(3) Tha da mhuilean corp annta co dhiu, agus tha cuid de dhaoine am beachd gu bheil ceithir muilean.

(4) A' gabhail na h-aireamh a's lugha, da mhuilean, bheir sin dhuinn d&. cheud Criosduidh anns an Eoimh, a' gabhail nan ginealan thar a cheile, an aite leth cheud mar tha Gibbon ag radh.

Clia ruig sinn a leas an rud a leantuinn na's fhaide, ach faodaidh sinn a radh gau- e an eo - dhunadh a thainig e thuige, gu 'n robh Gibbon fad air seacharan agus nach b'e duine 'san fhichead a bha ag aideachadh a' chreidimh Chriosduidh anns an Eoimh anns a' cheathramh linn ach duine 's an tri. Co dhiu a tha e cearr no ceart, is ann o bhodach na sluasaid a fhuair e an argumaid.

Cha 'n 'eil na catacoms idir eu-coltach ri toill choineannan. Tha iad a' ruitli os cionn a cheile is tarsuinn air a cheile agus na'n cailleadh tu do rathad anns na feadhainn a's motha, cha bhiodli aun ach fior thuiteamas gu 'n tigeadh tu asda beo. Bhiodh pa Criosduidhean, an am na geur leanmhuinn a bha lompairean na Roimhe a' deanamh orra, a' cruinneachadh anns na seomraichean sin fo'n talamh chum aoradh a dheanamh do Dhia an uaigneas. An uair a thaom pia Gothaich bhorb a steach do'n Eoimh 's a leag iad an lamhan air gach seorsa cobh- artaieh a thachair riu, mhill is bhris iad moran de na Catacoms an duil gu 'm faigh- eaclh iad ionmhas foluichte. Cha robh adhlacadh air a dheanamh annta tuilleadh; bha iad dorcha fas, air an dichuimhneach- adh mar nach robh iad riamh anu, gus an cuala bodach na sluasaid iomradh orra 's an do thoisich e air ruamhar anns na toill. Ged their cuid de dhaoine nach 'eil anns a' bhodach ach an daor Ghothach e fein, cha dean e cron sam bith air na mairbh agus cha 'n e gaol an airgid a tha toirt air ip, bhi rurachadh ach gaol an eolais.

Tha moran eolais r'a fhaotainn o na seom- raichean sin niu bheatha 's mu chreidindi 's mu chleachdauna na h-eagiais Chriosd- uidh ann an toiseach a h-eachdraidh. Tha na dealbhan a th' air an tarruing 's na

briathran a th' air an sgriobhadh os cionn nam marbh a' nochdadh dhuinn nam beachdan a bha aig creidmhich an la sin 's an dochas a bha iad as" altrum ri ag-haidh a' bhais. Cha b' ann air dorchadas a' bhais a bha iad a' smuaineachadh ach air solus na h-aiseirigii agus cha b' ann mar Bhreitheamh a bha iad a' smuaineachadh air Criosd ach mar Shlanuighear, Ian caomh- alachd is truacantais. Bha iad mar dhaoine a fhuair sgeul aoibhneach, aig an robh dochas cinnteacli is gairdeachas do-labhairt. Cha b'e claiginn, is cnamhan, is eligean tomhais, is clarsaichean briste, is uamhais eile de'n t-seorsa sin a bha iad a' cur air leacan nam marbh mar bhiddh na linntean a thainig 'nan deigli a' deanaitih, ach flur- aichean, is fion-dhearcan, is duilleagan uaine, is calumain, is pailm na buadha, is uain. Cha b'e duaichnidheachd ach caomhalachd a' bhais a bha 'nan inntinn. Is e an dealbh a's bitheanta a chithear annta, am Buachaille maith le uan no caora air a ghualainn. Air uairean, cha 'n e uan a tha e a' giulan ach meann g-aibhre. Nach faodar a radh gu 'n robh na creidmhich chneasd ud a' ciall- achadh leis an dealbh sin nach eil g-ras an Tighearn losa cho cumhann 's a tha cuid d'a dheisciobull an duil agus gu 'n ruig a throcair air gobhair cho mhaith ri caoraich? Faodaidh sin dha no tri de na sgriobh- aichean a tha air na leacan a chur sios air an duilleig so. Leugh bodach na sluasaid iad cho curamach 's ged bhiodh e a' leugh- adh tiomnadh a sheanar, agus faodar fhacal a ghabhail.

" Sith dhuit, tha thu maille ri Dia." " A GhraidJi, tha thusa beo gu siorruidh." "Ann an sith."

"An so tha mo mhac-sa, le toil Dhe." "Mo chaluman beag gun loclid." "Uan beag, neo chiontach." " Cha 'n 'eil Tereut marbh ach beo." Nach simplidh bold beach na facail ghoirid sin an coimeas ris a bharra-g-hloir 's an sfiag-adagliog a leughas tu an diugh (lir clachan-cinn os cionn nam marbh. Cha 'n 'eil feum aig' na mairbh air am moladh agus is diune gun naire a mholas e fein air clach- chinn athar no mhathar. Mile bliadhna 'na dheigli so 'nuair a thog-as bodach na sluasaid ar clachan-cinn-ne a.s an talamh, 's a shuathas e dhiubh an uir 's a mheirg le sail a bhroige, 's a chuireas e na gloineachan air a shroin chum ar n' ainm 's ar dochas a leughadli, tha sinn an duil gu 'n abair e, Cha 'n 'eil e furasd a radh co dhiu a bu chiniiich no bu chreidmhieh iad oir cha leir dhomh air na elaclian so ach - uabhar an t-saoghail. '

Air 8.

1911.

A' CHAREAIG.

B'i a' charraig -sin Criosd: 1 Corint. x. 4.

A reir beul-aithris nan ludhach lean sgealb de'n clireig a bhuail Maois elann Israeli air an turus, air clior 's nacli robii cion uisge orra anns an fliasach. Clia 'n 'eil sinn an duil gu'n robh Pol a' creidsinn na seann sgeulaclid sin, ach rinn e feum dhitli anns an litir so a cliionn gu'm faca e innte samliladh air iirinn spioradail a bu mhaitli leis a chur an cuimhne eaglaie Chorint; is e sin r'a radh, gu blieil gradh is curam Dhe a' leantuinn a shluaigli gun sgur, agus gu blieil feartan solasacii an t-slanuigheir a' dol an eois clireidmheach anns gaoii ceum d' an turue air thalamli.

Anns a' oliunntas a tha leabliar Ecsoduis a' toirt air imeaelid chloinn Israeil anns an fhasaoh. tha moran a' tachairt oirnn a tha gle iongantach. Tha sinn air ar toirt air ais gu og-mhaduinn an t-saoghail, 'nuair a leughas sinn mu'n neul, 's mu'n teine, a chaidh romhpa g' an treoraehadh ; mu na frasan mana a tliuit o neamh, agus nithean eile de'n t-seorea sin; ach is e an snuaim shonruichte a tha ruith troimh 'n eachdraidh uile, mar ghath greine, gu blieil cumhachd is gliocas Dhe ag oibreachadh ann an eaclidr raidh an t-saoghail, agus gu bheil e a' treoraehadh dhaoine ann an doighean nacli aitline dhaibh chum a ruintean diomliair a choimhlionadli.

Thachair na nithean so dhaibhsau mar eisempleireau, tha Pol ag radh, agus sgriobhadh iad clium siune air a bheil deireadh an domhain air teaclid a theagasg", agus ged thainig atharraehadh mor air an t-saoghal o laithean Mhaois, tha miorbhuil- eaii Dlie mu 'n cuairt air a shluagh an diugli fliathast cho cinnteacli 's a blii iad mu 'n cuairt orra, 'nu,'air a dh' ith iad arian o n'eamh aims an fhasach. Ged nach 'eil Dia a' labh- airt ruinne an diugli anns a' clieart doigli aims an do labhair e ris na h-athraichean o sliean, agus ged nach 'eil a fhreasdal ag oibreachadh 'nar beatha air an aon mliodh anns an d' oibrich e ann am beatha Israeil, is e an aon Dia a labhair riusan is ruinne. 'Nuair a blia an saoghal ann an staid lean- abaidli a thaobli eolas Dhe is tuigse spior- adail labhair Dia r'a shluagh mar ri ieanaban. Labhair e riu le comharran follaiseach, le iongantasan a ghlaeadh an suil 's an inntinii. Ach air do 'n t-saos-hal

a staid leanabaidh fhagail 'na dheigh, stad na comharran 's na miorbliuilean follaiseach sin, agus thoisich Dia air labhairt r'a shluagh air mhodh eile. Ach ged nach 'eil Dia a' nochdadh a lathaireachd 's a chumh- aclid amis na linntean so air an aon doigh anns am faca clann Israeil iad, tha miorbli- uilean a ghliocais 's a ghrais cho dluth dhuinne 's a bha iad dhaibhsan na 'n robh againn an t-suil a cliitheadh 's an cridlie a thuigeadh iad.

Is iomadh samhladh is cosmhalachd la chleachd Pol chum maise is gloir an Tigli- lo'sa a Idlieanadli soilleir do'n t-saoghal. Bha ainm an t-slanuigheir os cionn gacli aium dha ; chleachd e uile bhuadhan 'iimtinn chum an t-ainm naomli ardachadh, agus air dha na Eabbis a chluinntinn a' labhairt, 'nan doigh thioram, neo-spioradail fein, mu'n charraig a lean clann Israeil anns an fhas- ach, rinn e greim air an t-samhladh, chuir e brigh is maise ur aims an t-seann sgeulaclid, agus thuirt e ri eaglais Chorint, Be Criosd a charraig ain. Agus am measg nan nith- ean ris a (bheil Criosd air a clioslachadh anns an Tiomnadh ISTuadh, chum a chumhachd is 'obaii- a nochdadh do dhaoine, cha 'n 'eil samhladh a's freagarraiche no am facal carraig. Anns an t-seann Tiomnadh tha Dia gu bitheanta air a choimeas ri carraig. Ann an aon chaibideil an leabliar Dheuteronomie tha an coimeas so air a chleachdadli )sia uairean; xxxii. 4, 1.5, 18, 30, 31, 37. Anns na sailm tachrar gu trie air a choimeas cheudna; Is e an Tighearna mo charraig, Salm xviii. 2; Treoraich mi chum na carr- aig a's airde na mi fein, Salm Ixi. 2; Carraig mo neirt, mo thearmunn is e Dia, Salm Ixii. 7; Is tu carraig mo ehlainte, Salm Ixxxix. 26. Ach is e Pol a mhain a thug an coimeas so do Chriosd, ged a bha Isaiah, ann an aon seadh, air thoiseach air, oir labhair esan mu'n Mhesiah fada roimh am a theachd mar dhuiue "a bhios mar dhidean o'n doinionn; mar shruthan uisge ann an aite tioram, mar sgaile creige moire ann an tir airsnealaich." Tha an samhladh cho iDrioghmhor 's nach 'eil e iongantach gu'n do rinn fear de bliaird na h-eaglais greim air, ann an laoicUi a fliuair loisean blath ann an cridhe clireidmheach air feadh an t-saoghail uile,

Chreag nan Linntean ! stigh fo d' sgail Bitheams air mo dhion gu brath.

Thubliairt Criosd fein aon uair, "Gacli neaeh a ni mo briathran-sa samhluichidh mi e ri

30

duine glic a tliog- a thigh air carraig," ag-us iiair eile thubhairt e gu 'n robh ereidimh Pheadair 'na dhiadhachd mar charraig, agus gnir ann air an seorsa creige sin a thogadh e 'eaglais. Is e sin r'a radh, tha iadsan a tha creidsinn gur e losa mac Dhe agus a ni a thoil a' socruchadh am beatha epioradail air bunait sheasmhaich. Tha iad a' togail air carraig nach brisear.

Dh' fhaodamaid an samhladh a leantuinn a mach na's fhaide agus labhairt air an dton. 's am fasgadh, 's an tearuinteachd, a -tha a shluagh a' faotainn ann an Criosd; ach is leoir dhuinn aig an am so greim a dheau- adh air an aon smuain, gu bheil Criosd a' dol maille r'a shluagh air an turus, direach mar a lean a' chreag clann Israeil, a reir beul-aithris nan seanairean. Gheall e d'a dheisciobuil gu'm biodh e maille riu, eadhoin gu deireadh an t-saoghail. Cha 'n 'eil e 'g am fagail gun taic, gun chuideachadh, ri aghaidh nan cunnartan 's nan naimhdean a thachras riu, ach tha aingeal a lathaireachd air an deis laimh a glinath. Ma tha neoil dhorcha 'ga fholuch uainn, 's mur 'eil fair- eachduinn againn air co-chomunn a ghraidh, is ann againn fein a tha a ehoire 's cha 'n ann aige-san. Cha 'n urrainn e comhnuidh a dheanadh annainn ma tha sinn a' toirt aoidheachd 'n ar cridhe do nithean a tha calg dhireach an aghaidh 'inntinn-sau. Ciod an reite a's urrainn a blii eadar Criosd is Belial, no ciod e caidreabh na fireantachd ri neo-fhireaniachd? Ach ma tha a shluagh a' coimhead fhacail agus a' deanamh a thoile, ni e comhnuidh maille riu 's cha 'n fhag e iad gu brath. Bheir e aithne d'a aingiean m' an timchioll chum an gleidheadh 'nan sliffhean uile. Bidh aran aca r'a itheadh is deooh r'a ol nach aithne do'n t-saoghal. Tha abhainn de dh' uisge beo a' sruthadh o charraig nan al, agus gheibh iadsan a dh' olas de'n uisge sin neart is beatha.

'S Tusa 'n tobar beo gu fior 'Chaisgeas m' iotadh mor gu saor 'Chuireas solas ann am chridh' 'S fad na siorruidheachd nach traoigh.

Ciod air bith na duileadasan no na deucli- ainnean a thachras air luchd leanmhuinn Chriosd, biodh iad fo dheagh mhisnich, oir tha esan maille riu agus is leoir a ghras-san air an son. Ma tha iad ann an teagumh 's ma tha an solus a' fas fann gairmeadh iad airsan agus iarradh iad air an seoladh, oir " treoraichidh e na daoine ciuin ann am breitheanas." Ma tha an neart a' failneach- adh 's an cridhe fo eagal feitheadh iad na's bitheanta 's na's durachdaiche ai^- cathair nan s-ras oir iadsan a dh' fheitheas air an

Tighearna ath-nuadhaichidh iad an neart. Na abair a'd chridhe, Co a theid suas air neamh a thoirt Chriosd a nuas, oir tha am Facal maille riut. Tlia Criosd. cho dluth d'a shluagh an diugh 's a bha e do na deisciobuil 'nua.ir a ghluais iad maille ris ann an Galile, oir gheall e nach fagadh e iad 'nan dilleachdain ach gu'n tigeadh e d' an ionnsuidh. Ma ghradliaicheas neaeli mise, gradhaiehidh m' athair esan agus thig sinn d'a ionnsuidh, agus ni sinu comhnuidh maille ris, Eoin xiv. 23.

Cha 'n e mo mhianu thu thriall air i'albh gun dail Mar neaoh air chuairt, ach thu bhi 'gabhail taimh A'm chuideachd fein, a Dhe. le eairdeas dluth, A chaoidh nan cian nach treig, fan maille riuni !

FOGARACH AIR AN TALAMH.

0 chionn fada nan cian bhiodh na seann mhanaicli ag innseadh sgeulachd air droch ludhach air an d' thug 'iad an t-ainm Ahasuerus. A reir seanchas nam manach bu ghreusaiche Ahasuerxis, agus bha a chridhe cho cruaidh ris an ealaig air am biodh e a' deanamh nam brog. Bha dorus a thighe a' fosgladh air an t-sraid troimh an d' thug na saighdearan losa chum a cheus- adh an taobh a muigh de'n bhaile. Leis an eucoir 's an droch ghiullachd a rinneadh air bha neart losa a' failneaohadh, agus, anns an dol seachad, leigl e a tthaic ri lu-sann dorue a' ghreusaiche, ag iarraidh faochadh o uall- ach na craoibhe a leag iad air a' ghualainn. Ach 'nuair a chunnaic an greusaiche so, thainig e mach agus gu borb dh' iarr e air 'ursann-san fhagail agus gabhail roimhe. Thionndaidh losa agus thubhairt e ris, Tha mise a' falbh ach falbhaidh thusa cuideachd" agus cha sguir do shiiibhal gu brath. Dh'fhag Ahasuerus a bhean 's a chlann agus o'n latha sin gus an diug-h cha deachaidh stad air a shiubhal 's a shior imeachd. Tha e 'na fhogarach air aghaidh na talmliainn, ag iarraidh fois is dachaidh gun am faigh- inn. An drasd chithear e anne an Fhraing 's a rithist anns a' Ghearmailt, o dhuthaich gu duthaich, 's o bhaile gu baile, tlra e air a ruagadh a la 's a dh' oidhche, 's cha stad a shiubhal gus an tig Criosd an dara uair.

Ciod a bha na manaich a' ciallachadh leis an t-seann sgeulachd so? Tha sinn an dull gu'n robh iad a' labhairt ann an cosmhalachd agus gu'n robh iad a' gabhail Ahasueruis mar shamhladh air na h-Iudhaich, agus a' gabhail na mallachd a leagadh air mar shamhladh air a' bhreitheanas a thuit orra mar shluagh an deigh dhaibh Criosd a cheusadh.

I

4

3 J

31

Tha na Ii-Iudhaicli an diugli 'nan sluagli

gun dutliaicli, gun dachaidh, 'nam fogaraicli

air aghaidli na talmliainn. Tlia am facal a

tlia air a sgriobliadli m' an timoliioll ann an

leabliar Dheuteronomi air a choimhliouadh

gu litireil, " Sgapaidh an Tighearn tliu am

measg nan idle chinneach, o'n dara ceann

de'n talamli eadhoiu gus an ceann eile, ague

am measg nan cinneach clia'u fhaigli thu

suaimhneas sam bith, ni mo bhios fois aig

bonn do choise." Clia robh fios aca ciod

a bha iad a' deanamh 'nuair a ghlaodh iad,

" Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinn."

Phuair iad an guidhe agus thuit mallaohd

uamhasach air an ceann. Beagan bliliadh-

nachan an deigh dhaibh an Slanuighear a

cheusadh cbaidh lerusalem a leagadh gu

lar, agus o'n latha sin gus an diugh tha na

h-Iudhaich gun fhonn, gun fhearann, eadar

a' bhaobli 's a' bhuaraoh am measg uile

shluagh an domhain. Tha iad 'nan daoine

deanadach, stuama, crionna; ach air dhoigh

air chor-eigin tha himh nan uile 'nan

aghaidh, 's cha 'n 'eil aig- cinnich eile ach

buille ma seach air na h-Iudhaich. Tha

comharra Chain air clar an aodainu agus

eadhoin am measg rioghachdan Criosduidh

cha, 'n fhaigh iad gu bitheanta lagh eile

ach lagh a' choin chrosda " buail thall is

coinnich a bhos e." Uair is uair eile rinn-

eadh a' leithid de gheur-leanmhuinn orra 's

gu'n do theap iad a bhi air an sgrios bharr

aghaidh na talmhainn, ach tha iad an diugh

na's lionmhoire no bha iad riamh. B'e air-

eamh nan ludhach an uiridh 12,000,000, air

an sgapadh air feadh an t-saoghail mar so:

Ann an Russia, - - 5,215,000

Ann an Austria, - - 1,125,000

Anns a' Ghearmailt, - 608,000

Ann an Roumania, - 250,000

Anns an Tuirc, - - 300,000

Ann am Breatunn, - 238,000

Anns a' Fhraing, - - 95,000

Anns an Olaind, - - 106,000

Ann an Lochlanu, - - 8,000

Anns a' Ghreig, - - 5,000

Ann an Asia, - - 375,000

Ann an Africa, - - 355,000

Ann an America, - - 2,125,000

Ann an Astralia, - - 20,000

Cha 'n urrainnear a radh gu 'u d' fhuair na

h - ludhaich riamh ceartas o'n eaglais

Chriosduidh, oir an aite feuchainn ris an

t-soisgeul a thoirt dhaibh gu caomhal ann

an spiorad Chriosd an doclias gu 'm biodh

iad air an iompachadh, b'e an eaglais a bu

h-aon 's a bu dha 'g an liodairt 's 'g an

ruagadh. Anns na seann laithean bha moran

de chreidmhich am beachd gu 'n robh iad a' |

deanamh seirbhis do Dhia agus a' dearbhadh an eud air taobh na firinn, ann a bhi toirt fasgadh air na h-Iudhaich. Cha 'n 'eil e idir iongantach, niata, gu 'm biodh fuath is gamhlas aig- cinneacli cho sean 's cho uaibh- reaeh ri sliochd Abrahaim do dhaoine a rinn uiread beubanachd orra 's a rinn na Criosduidhean. Ach tha cuisean air atliarr- achadh a nis, agus tha an eaglais Chriosd- uidh ag altrum spiorad a's fhearr do thaobh nan ludhach, ged a theid iomadh bliadhna seachad ma'n dichuimhnich iadean an iamh- achas-laidir a riuneadh orra anns na linntean a dh fhalbh.

Ged bha suilean nan ludhach air an dalladh air chor agus nach do ghabh iad ris a' Mhessiali aig am a theachd, cha bu choir do'n eaglais Chriosduidh an t-seirbhis mhor a rinn an sluagh so do Dhia a dhichuimhn- eachadh. Is ann uapa a fhuair an saoghal an dileab a's priseile a fhuair e riamh. Air tus mheas Dia iad airidh air eolas na firinn a thoirt dhaibh, agus fad iomadh linn ghleidh iad an fhirinn gu curamach 's cha i-eiceadh iad i air son gloir is greadhnachas an t-saoghail. Chum iad loohran a' chreid- imh beo an uair a bha rioghachdan eile ana an tiugh dhorchadas. Bha iad eudmhor air taobh Dhe, agus mar thoradh an dilseachd, rinn an Tighearna coimhcheangal siorruidh riu ; agus ged chaidh iadsan air seacharau anu an laithean an aineolais agus ged bhris iad an coimhcheangal sin, cha do thilg Dia air falbh iad gu buileach oir tha tiodhlacau is gairm Dhe gun aithreachas.

Cha 'n 'eil eaglais na h-Alba a' deanamh a dleasdauais ris na h-Iudhaich agus cha 'n 'eil an oidhirp a tlip, i a' deanamh chum an cosnadh do Chriosd ach suarach. Tha buill na h-eaglais moran na's fialaidhe ann a bhi cuideachadh craobh sgaoileadh an t-soisgeil am measg dhaoine clubha no tha iad ann a bhi 'g a thoirt do na h-Iudhaich, ag-us is e an t-aobhar, gu bheil an seann ghamhlas eadar ludhaich is Criosduidhean beo fhathast. Chuala sinn iomradh air ministeir a labhair r'a choimhthional mar so air an t-Sabaid air an robh an tabhartasan air iarraidh air son nan ludhach " Tha e air iarraidh oirnn an diugh tabhartas a thoirt do na h-Iudhaich, ach air m' fhacal, dm toigli learn iad. Cha 'n 'eil annta ach droch dhaoine, ach dea^mdJi sibhse 'ur roghainn." Cha 'n 'eil an doigh bruidhne sin ceart, a,gus cha mho is e sin an spiorad anns am bu choir do bhidll na h-eaglais a bhi sealltuinn air na daoine o'n d' fhuair sinn an dileab spioradail a tha sinn a' sealbhachadh. Bu choir do Chriosduidhean baigh is cairdeas a nochdadh

32

do na h-Iuclhaich air sgath an aithiichean ; air sgath nam faidliean, 's nan salmadairean, 's nan abstol a dh' araich lad agus a thug dhuinne eolas Dhe; agios gu sonruichte air a sgath-sau a thainig o fhreiimh Jesse, a reir na feola.

Ged thiiit doille spioradail air na h-Iudh- aich car greis, cha 'n 'eil iad idir 'nan sluagh ain-diadhaidh. Ged nach do ghabh iad ri Griosd mar am Messiah i-is an robh fiuthair aea, tha tart 'nan anam an geall air Dia. Cha 'n "eil iad a' deanamh aoraidh do iodhalan, agus faodar a radh le firinn nach 'eil iad fad o rioghachd Dhe. Tha buadhau inntinu is eridhe aca a bhiodh tarbhach amis an eagiais Chriosduidh agus a bheir- eadh beatha ur dlii, na'm biodh iad air an tionndadh o lagh Mhaois gu creidimh anns an t-Slanuighear. 'Nuair a sheallas sinn air ais air an eachdraidh agus a chi sinn iad uair is uair an imjjis a bhi air an sgrios as an t-saoghal, ach fhathast ag ath-nuadh- aehadh an oige 's a fas na's lionmhoire; 'nuair a chi sinn gu bheil iad a' gleidheadh am fala gun truailleadh, 's an gne 's an coltas 's an cleachdaidhean gun atharrachadh ged tha iad air an sgapadh am measg chinn- each eile, gun daehaidh, gun duthaich, tha aobhar againn a bhi creidsinn gu bheil freasdal Dhe air a chul sin uile agus gu bheil obair mhor aig na h-Iudhaich j-i choimhlionadh fhathast ann an eachdraidh an t-saoghail. Thug iad cheana faidhean is abstoil is Slanuighear do'n t-saoghal, agus faodaidh e bhith gur ann air an t-sluagh a thag-l), e o s^iean a chuireas Dia an t-urram anns na laithean deireannach, an eaoghal uile a chosnadh d'a Mhae. Cha tig an la sin gus am bi iad fein air an iompachadh an toiseaeh. Sineadh, mata, eagiais Chriosd a lamhau a mach a dh' ionnsuidh nan ludhach agus deanadh i eadar g-huidhe dhurachdach ri Dia as an leth; oir ma's e an tilg-eadh - san air falbh reiteachadh an domhain, ciod e an ath-ghabhail ach, beatha o na marbhaibh? Cha do thilg Dia uaith gu brath am pobull a roimh-aithnich e, oir tha an gealladh a thug e dhaibh seasmliach " Ni mise coimeheangal Bithe riu; bidh e 'na choimhcheangal siorruidh, agus ni mi lionmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh- ionad 'nam meadhon gu brath. Bidh mo phailliun mar an ceudna maille riu; seadh, Isidh mise dhaiblisan a'm Dhia agus bidh iadsan dhomhsa 'nan sluagh. Agus aithnieh- idh na cinnich gur mise lehobhali a naomh- aiclieas Israel, an uair a bhios mo naomh- ionad 'nam meadhon gu siorruidh: Eseciel xxxvii. 26-28.

LAOIDH CEEIDIMH.

S&allaibh rium-sa, agus bithibh air bhur tearnadih, uile iomalla na talmhainni

Le creidimh seallaidh mi

Riut fein, Uan Chalbhari,

Mo Shlanuighear caomli;

Nis eisd ri m' urnuigh bhochd,

Glan uam mo chiont 's mo lochd;

0 bitheam beo dhuit fein

'Na dheigli so chaoidh.

0 biodh do ghras gach am Toirt treoir do m' chridhe fann; Dean m' eud na's mo; Bho 'n bhasaich thu 'g am dhion, O biodh mo ghradh dhuit fior, Glan, beo, is buan gu sior, 'Na theine beo.

Troimli fhasach dorch' an t-saogh'l Is teinn tigh'nn orm gach taobh Dean fein dhomh iul; Tionndaidh mo dhorch' gu la. Slab uam deur broin is craidli, Mo cheuman stiuir a ghnath, Gu tamh dhuit dluth.

An uair thig crioch mo laith,

's sruth duaiehnidh fuar a' bhais

Ag iadhadh dluth,

A Slauuigheir chaoimh, na treig,

Cuir g-eilt 's an-earbs bhuam fein;

O giulain mi gun bheud

A sheinn do chliu.

Bha an laoidh so air a sgriobhadh le ministear de mhuinntir America, an t-Ollamh RAY PALMER. Cha robh e ach da bhliadhna air fliichead 'nuair a sgriobh e i, agus tha e fein ag innseadh gu 'u do sgriobh e i le cbeoir 'na shuilean. Tha an laoidh air a h-eadar theangachadh 'gu iomadh canain. Is e A. Mac Eachuinn a thionndaidh i gu Gaidlilig. Chuireadh i an Laidionn, am Fraingis, an CTearmailt, agus an cainnt mhoran chinneach anns na h-Innsean an Ear is China. Rinn PALMER laoidhean eile ach cha d' fhuair gin dhiubh an t-aite a fhuair i so ann an eridhe na h-eaglais Chriosduidh. B'e PALMER a thionndaidh gu Beurla an laoidh a sgriobh an naomh BERNARD ann an Laidionn

losa ! 's til aoibhneas mor do shluaigh 'S tu tobar beath '.s tu solus aigh.

Tha gaol aig- daoine air an laoidh so p, chionn gu bheil i a' cur cainnt air iarrtas an anma air fasgadh fhaotainn ann pn Criosd, agus a chionn gu bheil i a' toirt m' an coinneamh Uau Dhe a thug air falbh peacanna an t-saoghail.

/g"' 5'6'

1 V M