Skip to main content

Full text of "Life and work 1907-1911"

See other formats


If 


-** 


'V 


l- 


'^ 


"w?^i 


^* 


uaJ. 


?f 


l^W 


^'Wtt''. 


^'-' 


Se^ 


»fvi 


."!**■>. 


^ll-.-t*. 


Ci^ 


•^■Lf 


^f'^V? 


,-^£-s:5.. 


■•£^ 


i:-1Ski*^S 


Ppv 


r,t,S.'  %i* 


^\Vv 


m**" 


¥^ 


'^ 


^'ii^. 


^■, 


.z::^ 


t^V">::5 


rjfj-f  ,.| 


'1,'; 


H  .i 


■rCl, -* 


?^; 


V 


.  _^^ 

fM5 


^' 


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1907191100chur 


H\oJ  i  ivi^i^uU    u   u\^  «Lo^  i*JLj .    ')^   h.A.fi.^iJIxu^ju^'f  f-Lu^  iv^i 

p(t*^«eJ  ^tuf5<  ii^Jlcx  Ai^  €ts^  l^  Aoi  ou£<Ji^  1^  IjJ>^1\J^^ 
^H/)(jni<LUi/   ^(^(j  ^ltC/^  OrykjiM  o^io-ll^  ooLcL  lu^vUi  n\  Ssjo^'u 


.....3. 


'  ,       ».!■>•• 


*        » 


.     »= 


t      ■*•*'■  '        '> 


i.       ^ 


os-ia  554 


Air.  1 


1907. 


AIG   TOISEACH    NA    BLIADHNA. 


Tha  e  mar  chleachdadh  'nar  nieasg,  a  bhith  'cur 
failte  chridheil  air  ar  cairdean  aig  toiseach  na 
bhliadhna,  agus  a  bhith  'g  radh,  "  Bliadhna 
mhath  iir  dhuibh."  Freagraidh  ar  cairdean  agus 
their  iad,  "  Mar  sin  dhuibhse,  agus  moran 
dhiubh." 

Mar  a  tha  fhios  againn  tha'n  cleachdadh  so  a' 
nochdadh  gu'm  bheil  deagh  run  againn  fein  agus 
aig  ar  cairdean  do  chach  a  cheile.  Is  ann  mar 
sin  bu  choir  do'n  chilis  a  bhith  aig  gach  im,  gu 
sonraichte  km  measg  na  muinntir  a  tha  'g 
aideachadh  gu'm  bheil  iad,  ann  an  tomhas  air 
an  riaghlachd  le  spiorad  a's  airde  na  spiorad  an 
t-saoghail. 

Is  olc  an  ni  a  bhith  'g  aracli  fuachd  agus 
coimhicheis  'nar  cridhe  do  neach  sam  bith,  gu 
h  araidh  aig  toiseach  na  bhadhna. 

Ma  thachair  gu'n  robh  a  h-aon  dhinn  ciontjich 
dhe'n  olc  so  's  na  bliadhnachan  a  dh'  fhalbh, 
cha  'n  'eil  leasachadh  air  a'  chilis  a's  fhearr  na 
grad  sgur  dheth  Le  comhnadh  an  Tighearna 
leigeamaid  leis  an  fhuachd  agus  leis  a'  choimh- 
eachas  del  bas. 

Mar  a  theid  an  teine  bas  le  cion  connaidh, 
~  mar  sin  theid  eas-coimpicheas,  naimhdeas  agus 
mi-riin  bas  le  bhith  'g  an  leigeadh  air  dichuimhn. 
Ged  a  theid  an  teine  bas  le  cion  connaidh,  bidh 
a'  chagailte  blath  greis  mhath,  agus  faodaidh 
gu'm.  bi  sradag  beb  iiine  mhath  anns  an  luath- 
aidh.  Ma  tha  toil  againn  an  teine  a  ghrad  chur 
as,  cha'n  'eil  dbigh  a's  fhearr  dhuinn  na  tonn 
mhath  dhe'n  uisge  a  dhortadh  air. 

Chuala  sinn  gu'm  bheil  an  t-uisge  'na  shamh- 
ladh  air  obair  an  Spioraid  Naoimh,  agus  ma  tha 
'bheag  a  dh'  eolas  agus  de  thuigse  spioradail 
againn,  thu  Ian  fhios  againn  nac'.i  ann  le  ar  neart 
fein  is  urrainn  duinn  math  a  dheanamh  an 
aghaidh  an  uilc,  no  eadhoin  an  t-olc  fein  a 
sheachnadh.  Ach  an  neart  nach  'eil  againn 
gheibh  sinn  o  Dhia  e  tre  losa  Criosd,  ma  dh' 
iarras  sinn  e  le  ar  n-uile  chridhe  :  "  Is  urrainn 
mi  na  h-uile  nithean  a  dheanamh  tre  Chriosd  a 
neartaicheas  mi,"  ars'  an  t-abstol. 

Aig  toiseach  na  bliadhna  leigeamaid  dhinn 
gach  droch  cleachdadh  a  bha  sirin  a'  leantuinn. 
Na  biodh  mi-riin,  no  mealltaireachd,  no  cealg, 
no  farmad,  no  ana-cainnt,  no  comhradh  amaid- 
each,  no  misg,  no  mi-bheus  uiread  is  air  an 
ainmeachadh  'nar  measg. 


Thugamaid  fa  near  gu'm  bheil  ar  n-iiine  trial! 
gu  luath.  Mur  dean  sinn  feum  de'n  am  a  tha 
lathair — an  t-am  taitneach — faodaidh  e  bhith 
nach  fhaigh  sinn  na  cothroman  ceudna  gu  brath 
tuilleadh. 

O'n  a  thainig  a'  bhliadhna  a  thu  nis  air  tighinn 
gu  crich,  ghairmeadh  moran  gu  cunntais  aig 
nach  robh  suil  sam  bith,  mu'n  am  so  an  uiridh, 
ri  teachdaire  o'n  bhas.  Tachraidh  a'  cheart  ni 
am  bliadhna.  Co  'nar  measg  a  ghairmear  air 
falbh  ?     Aig  an  Tighearna  tha  fios. 

Tha  craobhan  neo-thorach  ann  leis  an  robh 
an  Tighearna  a'  giiilan  o  chionn  iomadh 
bliadhna.  Ciod  am  fios  nach  i  so  a'  bhliadhna 
air  an  obair  an  Tighearna,  "  Gearr  sios  iad,  car 
son  a  tha  iad  a'  fasachadh  na  talmhainn." 

Sibhse  a  tha  fo  eisdeachd  an  t-soisgeil  o 
chionn  iomadh  bliadhna,  agus  nach  d  thug  geill 
do  na  cuiridhean  grasmhor  a  fhuair  sibh  o  am 
gu  am,  ciod  a  tha  nar  beachd  a  dheanamh  ?  Am 
bheil  e  na's  fhusa  dhuibh  sibh  fein  a  thoirt  suas- 
do  Dhia  an  diugh  na  bha  e  o  chionn  iomadh 
bliadhna?  An  ann  oirbh  fein,  no  air  Dia  a  tha 
sibh  a'  cur  coire  a  chionn  gu'm  bheil  sibh 
fathast  an  taobh  am  muigh  de  rioghachd  Dhe  ? 
Cluinnibh  ciod  a  tha  facal  an  Tighearna  ag 
radh  :  "  Ciod  tuilleadh  a  ghabhadh  deanamh  ri 
m'  f  hionlios  nach  d'  rinn  mi  ann  ?  Car  son  an 
uair  a  dh'  amhairc  mi  an  d'  thugadh  e  mach 
dearcan  fiona,  a  thug  e  mach  dearcan  fiadhainn.'" 
Is.  v.,  4. 

Thuirt  Criosd.  "  Gidheadh  cha'n  aill  leibh' 
teachd  am  ionnsuidh-sa  a  chum  gu'm  faigheadh 
sibh  beatha."     Eoin  v.,  40. 

So  agaibh  an  cuireadh  mu  dheireadh  a  th'anns 
an  fhirinn,  agus  gu  cinnteach  tha  e  cho  farsuinn 
's  a  b'  urrainn  neach  sam  bith  iarraidh  :  "Agus 
a  ta  an  Spiorad  agus  a'  bhean  nuadh-phosda  ag 
radh.  Thig.  Agus  abradh  an  ti  a  chluinneas, 
Thig.  Agus  an  neach  air  am  bheil  tart  thigeadh 
e.  Agus  ge  b'e  neach  leis  an  aill,  gabhadh  e 
uisge  na  beatha  gu  saor."  Taisb.  xxii.,  17  Co 
'nar  measg  a's  urrainn  a  radh  nach  do  bhuin  an 
Tighearna  gu  grasmhor  trbcaireach  ruinn  san 
am  a  dh'falbh? 

Sibhse  a  dh'  fhaodas  a  radh  le  firinn  gu'n 
d'  earb  sibh  ciiisean  bhur  n-anama  ri  losa  Criosd, 
thugaibh  taing  agus  moladh  do  Dhia  a  ghin  sibh 
gu  be6  dhochas  le  oibreachadh  an  Spioraid 
Naoimh.  Fhuair  sibh  an  cuireadh,  agus  1& 
comhnadh  an  Tighearna,  thill  sibh  o  sheachran, 
bhur  slighe.      Cumaibh  air  bhur  'n-agaidh  ceum 


.2 


air  cheum.  Deanaibh  bhur  dichioll  a  chum 
gu'm  bi  sibh  taitneach  dhasan  a  ghairm  sibh  o 
dhorchadas  gu  solus,  agus  o  chumhachd  Shatain 
g'a  ionnsuidh  fein.  Le  foighidin  ruithibh  an 
reis  a  chuireadh  romhaibh  ag  amharc  air  losa. 
An  iiine  ghearr  thig  crioch  air  gach  trioblaid  agus 
hvbn  agus  buaireadh  leis  am  bheil  sibh  air  bhur 
sarachadh. 

Is  e  ar  guidhe  ri  Dia,  gu'n  d6irteadh  e  nuas  a 
bheannachd  air  gach  aon  dhibh.  Gu'n  deb- 
naicheadh  e  bhith  beothachadh  na  muinntir  a 
tha  marbh  gu  spioradail,  agus  a  bhith  'toirt 
beadia  na's  ro  phailte  dhaibsan  a  bheothaich  e 
mar  tha,  a  chum  gu'n  nochd  iad  o  am  gu  am, 
cumhachd  saor  ghrais  Dhe  air  an  anam.  Gu'n 
robh  a'  bhhadhna  so  'na  bliadhna  mhath  iiir 
dhuibh  gu  leir  araon  ann  an  seadh  aimsireil  agus 
spioradail. 


SEUMAS. 


Bha  Seumas  'na  mhaghstir-sgoile  ann  an  sgir- 
eachd  cho  iomallach  's  a  bh'anns  a'  Ghaidheal- 
tachd  agus  an  aite  cho  iomallach  's  a  bh'  anns 
an  sgireachd.  Cha  robh  duals  mhaighstir-sgoile 
sgireachd  aig  an  km  ud  ach  gle  bheag  an 
coimeas  ris  na  duaisean  a  th'aig  maighistirean- 
sgoile  aig  an  am  so.  B'e  c6ig  puinnd  deug  air 
fhichead  Shasunnach  's  a'  bhliadhna  an  duals  a 
bha  gu  cumanta  a  bh'aig  na  mighistirean-sgoile 
sgireachd  aig  an  am  ud  air  feadh  na  Gaidheal- 
tachd,  agus  b'e  so  an  duals  a  bh'  aig  Seumas. 

Bha  Seumas  toilichte  gu  le6r  le  a  dhuais ; 
agus  faodar  a  radh  gu'n  robh  e  'na  shaoithriche 
nach  ruigeadh  a  leas  naire  a  ghabhail,  a'  roinn 
facal  na  foghlum  gu  dichioliach.  Agus  tha 
toradh  a  shaoithreach  ri  fhaicinn  gus  an  latha  'n 
diugh.  B'iomadh  fear  a  b'fhoghluimte  na  e ; 
ach  b'  ainneamh  fear  a  bha  cho  dichioliach  ris. 
Mar  a  tha'n  seanfhacal  ag  radh:  "Is  fearr 
dichioll  an  duine  laig  na  neo-shunnd  an  duine 
laidir." 

Cha  robh  Seumas  p6sda  aig  an  am,  agus  cha 
mho  a  smaoinich  e  air  p6sadh.  Bha  piuthar 
dha  'na  bean-taighe  dha,  agus  bha  i  gle  ghlic 
deanadach.  Cha  robh  scaireap  sam  bith  inntCj 
agus  ged  a  bha'n  duals  beag,  cha  robh  eis  sam 
bith  air  Seumas  :  agus  an  aite  bhith  ann  am 
fiachan,  mar  is  minic  a  bha  mhaighstirean-sgoile 
aig  an  am  ud  agus  o'n  uair  ud  is  ann  a  bha  e 
cur  beagan  air  chiil  a  laimhe  leis  an  robh  e 
comasach  air  beagan  cuideachaidh  a  dheanamh 
le  cuid  le  dhaoine  bochda  a  bha  ann  an  dliith 
dhaimh  dha. 

Bha  Seumas  gle  fhaideach  curamach  mu'n 
duals  bhig  a  bha  e  cosnadh  ;  ach  cha  robh  e 
spiocach  idir.  Bha  cuid  de'n  chloinn  a  bh'anns 
an    sgoil    aige    gle    fheumach    air    cuideachadh 


fhaotainn  uailhe.  Bha  na  parantan  bochd, 
dripeil  gu  lebr,  agus  cha  robh  e  gle  fhurasda 
dhaibh  leabhraichean  is  paipear  is  pinn  is  inc  a 
cheannach  do'n  cloinn.  Bha  so  a'  toiit  mbran 
obrach  a  bharrachd  do  Sheumas.  Dh'  fheumadh 
e  a  dhol  do'n  t-seomar-sgoile  a  h-uile  madainn 
uair  roimh  'n  am  's  am  biodh  a'  sgoil  air  a 
fosgladh  gus  na  pinn  a  dheasachadh.  Cha  robh 
pinn  chruadhach — ann  am  fasan  anns  an  am  ; 
agus  bha  aig  gach  mighstir-sgoile  ris  na  pinn-ite 
a  dheanamh,  agus  sgriobhadh  a  chur  air  barr 
gach  duilleig  mar  eisimpleir  do  na  sgoileirean. 
Bha  itean  gheadh  is  shulairean  pailt  gu  lebr. 
Bha  iad  ri'm  faotainn  timchioll  a'  chladaich. 

Ach  o'n  a  bha  an  obair  so  gle  dhraghail,  agus 
an  sgriobhadh  fada  o  bhith  a  reir  miann  a' 
mhaighstir-sgoile,  chuir  Seumas  roirahe  gu'm 
biodh  cuisean  air  atharrachadh  dbigh  an  tiine 
gun  bhith  fada.  Fhuair  e  dhachaidh  leabhraich- 
ean is  paipearan  is  pinn  is  ince.  Bha  'g  iarraidh 
beagan  air  son  nan  leabhraichean ;  ach  bha  e 
toirt  gach  ni  eile  seachad  do'n  chloinn  a 
nasgaidh.  Cha  robh  e  cur  eadar-dhealachadh 
eadar  teaghlachd  is  teaghlachd ;  agus  bha  e 
faigail  paigheadh  nan  leabhraichean  gu  toil  nam 
parantan,  agus  faodar  a  radh  gu'n  d'  fhuair  e 
paigheadh  air  aon  dbigh  no  dbigh  eile  ri  uine. 

Bha'n  obair  na  b'fhasa  dha  fhein,  bha  'chlann 
na  bu  deigheile  air  an  sgoil  an  uair  a  fhuair  iad 
leabhraichean  iira  agus  a  chuireadh  nam  buidh- 
nean  air  leith  iad.  Bha  so  a'  toirt  mbr- 
thoileachadh  do  na  parantan  agus  do  shluagh  an 
aite  gu  leir,  agus  cha'n  ann  aige  fhein  bu  lugha 
bha  de  thoileachadh  ;  air  bha  a  chridhe  anns 
an  obair. 

Chaidh  bliadhnachan  seachad  agus  cha  robh 
Seumas  a'  faireachadh  g'a  dhith  aon  dad  a  bha 
e  cosg  ris  na  sgoileirean.  Agus  ged  a  bha  e 
ceadaichte  dha  paigheadh  sgoile  iarraidh,  cha 
d'iarr  's  cha  d'fhuair  e  sgillinn  riamh ;  agus 
theireadh  e  an  uair  a  leig  e  uaithe  an  sgoil  gu'n 
robh  e  gle  thoilichte  gu'n  d'  rinn  e  mar  a  rinn  e. 

Aig  am  araidh  de'n  bhliadhna  cha  bhiodh 
aige  ach  beagan  chloinne  anns  an  sgoil.  B'e  aa 
t-am  so  an  uair  a  bhiodh  na  daoine  trang  ri 
obair  an  earraich.  Bhiodh  gach  sgoilear  a 
b'urrainn  car  obrach  a  dheanamh  air  a  chumaU 
aig  obair,  agus  cha  bhiodh  's  an  sgoil  ach  an 
fheadhainn  bheuga.  Mar  so  cha  bhiodh  am 
maighistir  sgoile  ach  na  leith  thimh,  agus  gus  an 
iiine  a  chur  seachad  bha  e  ceannach  leabh- 
raichean ;  agus  am  measg  nan  leabhraichean  so 
bha  obair  nam  barda  Beurla.  Ghabh  e  tlachd 
mbr  ann  an  leughadh  na  bardachd  so. 

Is  e  thainig  as  a'  chilis  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  gu'n  do  bhuail  e  anns  a'  cheann  aige 
gu'm  bu  chbir  dha  feuchainn  ri  beagan  bardachd 
a  dheanamh.  Bha  fhios  gu'n  robh  sradag  bheag 
de   ghrid    na   baardachd   anns   na    daoine   o'n 


d'thainig  e,  agus  bha  e  'smaointean  o'n  a  bha  e 
fhein  'na  sgoilear  na  b'  fhearr  na  na  daoine  o'n 
d'  thainig  e  gu'm  biodh  e  nadarra  agus  coltach 
gu  leor  dha  6raii  beag  no  dha  a  dheanamh. 
Ach  cha  robh  fhios  aige  ciod  e  an  cuspair  a 
roghnaicheadh  e  mar  bhonn  do'n  oran.  Thug  e 
iomadh  oidhirp,  ach  o'n  nach  robh  an  obair  a' 
dol  leis  cho  math  's  bu  mhiannach  leis  thuirt  ris 
fein  gu'm  b'  fhearr  dha  an  obair  a  leigeadh  as  a 
cheann. 

Ged  a  bha  Gaihg  gu  le6r  aig  Seumas — barr- 
achd  na  bh'aige  de  Bheurla — b'anns  a'  Bheurla 
a  bha  e  feuchainn  ri  bran  a  dheanamh.  Anns 
an  am  bha  dimeas  mor  air  a  dheanamh  air  a' 
Ghaihg.  Bhiodh  a  huile  fear  is  te  a  bha  'g  am 
meas  fein  os  cionn  a'  chumanta  feuchainn  ri 
bhith  labhairt  Beurla  aig  gach  am.  Rud  iongan- 
tach  am  feadh  's  a  bha  bran  Giiihg  air  a  mheas 
'na  pheacadh  cha  cuid  dhe'n  t-sluagh  a'  faicinn 
cron  sam  bith  ann  an  bran  Beurla.  Aig  banais 
no  aig  cruinneachadh  sam  bith  eile  far  am 
ghnath  le  daoine  aga  a  bhith  ri  fearas-chuid- 
eachd,  cha  bhiodh  meas  air  bran  Gaihg. 

( Ri  leaniuinn.) 


AM    FEUM    A'S    COIR    A    DHEANAMH 
DE'N    EOLAS    SHLAINTEIL. 

Air  a  Leantiiinn. 


IV-  A  chum  mothachadh  a  thoirt  do  neach  iini 
pheacadh,  ?nu  fhlreaniachd,  agus  mn  bhreitheanas 
leis  an  t-soisgeul,  no  co-cheangal  nan  gras,  is 
tiginn  da  tri  nithean  a  thuigsinn.  i.  Gu'm  bheil 
ana-creidimh  ann  an  losa  Criosd,  no  bhith 
diiiltadh  co-cheangail  nan  gras  a  ta  air  a  thairg- 
seadh  annsan,  'na  pheacadh  eile  an  aghaidh  an 
lagha;  do  bhrigh  air  do  luchd-eisdeachd  an 
t-soisgeil  gun  bhith  creidsinn  ann  an  Criosd  gu'm 
bheil  iad  a'  cur  cul  ri  trbcair  Dhe  ann  an  Criosd, 
an  aon  t-s!ighe  gu  saorsa  o  pheacadh  agus  o 
fheirg,  agus  nach  geill  iad  gu  bhith  air  an  dean- 
amh  r^idh  ri  Dia. 

a.  A  rithist,  is  fheudar  dha  a  thuigsinn  gu'm 
bheil  lan-mhaitheanas  peacaidh,  agus  iior  f hirean- 
tachd,  ri  'm  faotainn  a  mhain  le  creideamh  ann 
an  losa  Criosd,  do  bhrigh  nach  'eil  Dia  ag 
iarraidh  cumha  sam  bith  eile  ach  creideamh; 
agus  gu'm  bheil  e  toirt  teisteis  o  neamh  gu'm 
bheil  e  Ian  thoileach  peacaich  fhireanachadh  air 
a'  chumha  so. 

3.  Is  fheudar  dha  a  thuigsinn  air  dha  ghabhail 
ri  fireantachd  tre  chreideamh,  gu'n  lean  breith- 
eanas  air  an  aon  laimh  a  chum  oibre  an  diabhuil 
a  sgrios  anns  a'  chreidmheach,  agus  gu  obair  na 
naomhach  a  choimhlionadh  le  neart.     Agus  le 


bhith  diultadh  fireantachd  a  ghabhail  tre  chreid- 
eamh ann  an  losa  Criosd,  gu'n  lean  breitheanas, 
air  an  laimh  eile,  a  chum  an  t-ana-creidmheach 
a  dhiteadh,  agus  gus  a  sgrios  maille  ri  Satan  agus 
a  luchd-muinntir  gu  siorruidh. 

A  chum  na  criche  so,  foghnaidh  na  sgriobtuir- 
ean  a  leanas  am  measg  mhbrain  eile  gu 
meudachd  peacaidh  an  ana-creidimh  a  leigeadh 
ris ;  no  a  chum  meud  a'  pheacaidh  a  tha  ann  an 
diultadh  tairgse  co-cheangail  nan  grks  ann  an 
Criosd  a  thairgseadh  dhuinn.  Faicibh  tairgse 
nan  gras  mar  a  tha  i  air  a  dheanamh.  Is.  45,  3 
"  Aomaibh  bhur  cluas,  agus  thigibh  do  m' 
ionnsudh-sa  (deir  an  Tighearna)  eisdibh  agus 
mairidh  bhur  n-anam  beb,  agus  ni  mi  co- 
cheangal  siorraidh  ribh,  eadhoin  trbcairean 
cinnteach  Dhaibhidh."  Is  e  sin  ma  chreideas 
sibhse  agus  gu'm  bi  sibh  reidh  rium,  bheir  mi  le 
m'  cho-cheangal  Criosd  dhuibh,  agus  maille 
risan  gach  uile  ghras  slainteil :  tha  so  air  aithris 
a  rithist  Gniomh  13,  34. 

A  rithist,  thoir  fa  near,  gu'm  bheil  an  tairgse 
shbnraichte  do  gach  neach  fa  leith  ;  mar  a  tha 
soilleir  o'n  fheum  a  tha'n  t-abstol  a'  deanamh 
dhith.  Gniomh,  16,  31.  "  Creid  anns  an 
Tighearna  losa  Criosd,  agus  saorar  thu  fein  agus 
do  thaigh." 

Tha  reusan  na  tairgse  so  air  a  thoirt  seachad, 
Eoin  3.,  16.  "Oir  is  ann  mar  sin  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal  gu'n  d'thug  e  aon-ghin  Mhic 
fein,  a  chum  ge  b'e  neach  a  chreideas  ann,  nach 
sgriosar  e,  ach  gu'm  bi  a'  bheatha  shiorruidh 
aige." 

Air  an  aobhar  sin  air  do'n  t-slainte  mhbir  so  a 
bhith  air  a  tairgseadh,  anns  an  Tighearna  losa 
Criosd,  ge  b'e  nach  creid  ann,  ach  aig  am  bheil 
diiil  ri  slainte  air  dhbigh  ^iginn  eile,  ciod  a  tha 
e'  deanamh  ach  a'  leantuinn  air  diomhanasaibh 
breugach,  agus  a'  treigsinn  a  thrbcair  fein  a  dh' 
fhaodadh  a  bhith  aige  ann  an  Criosd.  Ciod 
eile  a  tha  e'  deanamh  ach  a'  toirt  mbr-thoibheum 
do  Dhia  'na  chridhe,  mar  a  tha  e  air  a  radh,  "An 
ti  nach  creid  Dia,  rinn  e  breugaire  dheth,  do 
bhrigh  nach  do  chreid  e  an  fhianuis  a  tiiug  Dia 
mu  thimchioll  a  Mhic."  Agus  is  i  so  an 
fhianuis  gu'n  d'  thug  Dia  dhuinn  beatha  mhair- 
eannach ;  agus  tha  a'  bheatha  so  'na  Mhac." 

Agus  tha  Criosd  fein  a'  toirt  teisteis  nach  'eil 
peacadh  sam  bhith  an  aghaidh  an  lagha  cosmh- 
uil  ris  a' pheacadh  so.  Eoin  15,  22.  "  Mur 
bithinnsa  air  teachd,  agus  air  labhairt  riutha, 
cha  bhiodh  peacadh  aca ;  ach  a  nis  cha'n  'eil 
leithsgeul  am  peacaidh  aca." 

Faodaidh  so  mothachadh  a  thoirt  do  dhuine 
mu  mheud  a'  pheacaidh  so,  ctil  a  chur  ri  tairgse 
Chriosd,  no  bhith  gun  chreideamh  aiin. 

{Ri  leajituinn). 


LAOIDH. 


"  Seallaibh  ritimsa,  agus  biihibh  at?'  bhur  iear- 
nadh,  idle  iomallaibh  na  tahnhainn."  Is.  xlv.  22. 

'Pheacaich  thruaigh,  'tha  lag  is  fann, 
'Gimeachd  tiiirseach  troimh  an  ghleann, 
Gillian  uallaich  is  tu  sgith, 
Seall  rl  losa,  Righ  nan  righ. 

Tha  e  dliith  dhuit  aig  gach  am  ; 
Eisdidh  e  ri  d'  ghearain  fann ; 
Togar  dhiot  an  t-uallach  trom  ; 
Siubhlaidh  tu  troimh  'n  ghleann  le  fonn. 

Gheibh  thu  aoibhneas,  fois,  is  sith, 
Ann  an  cuideachd  Righ  nan  righ, 
Ceum  air  cheum  mar  bhios  tu  triall ; 
'S  ni  a  ghairdean  treun  do  dhion. 

Anns  an  dachaidh  ghl6irmhoir  shuas, 
Cha  bhi  deuchainn,  brbn,  no  truaigh — 
Chaoidh  cha  n  fhaicear  deur  air  siiil, 
Ann  an  luchairt  Righ  nan  dul. 

Fad  nan  linntean  siorruidh  buan, 
Anns  an  luchairt  ghl6irmhoir  shuas, 
Seinnidh  iad  gu  ceolmhor  binn 
'S  aoibhneas  siorruidh  air  an  cinn. 

I.  M'R. 


NITHEAN    NUADH    AGUS   SEAN. 


CIONNUS    A    LEUGHAS    TU? 


Am  bheil  thu  tuigsinn  na  tha  thu  'leughadh  ? 
Mur  'eil,  am  bheil  thu  ag  iarraidh  se61aidh  air 
neach  sam  bith  eile  ? 

An  d'thug  thu  riamh  fa  near  nach  dean  a 
bhith  leughadh  feum  sam  bith  dhut  mur  tuig 
thu  na  tha  thu  'leughadh? 

larr  fiosrachadh  o  gach  neach  do'n  aithne 
fiosrachadh  a  thoirt  dhut.  Os  cionn  gach  ni 
iarr  gu'm  biodh  an  Spiorad  Naomh  g'ad  threb- 
rachadh  a  dh'  ionnsuidh  gach  uile  fhirinn ;  ach 
ma  tha  thu  diiiltadh  Chriosd  a  ghabhail  mar  do 
shlanuighear,  cha  ruig  thu  leas  duil  a  bhith  agad 
gu'n  treoraich  an  Spiorad  Naomh  thu. 

Is  ann  do  na  creidmhich  a  tha  gealladh  an 
Spiorad  air  a  thabhairt. 

Cha  treoraich  an  Spiorad  Naomh  thu  a  dh' 
ionnsuidh  firinn  nach  do  leugh  's  nach  cuala  thu 
air  a  leughadh  riamh. 

Tha  moran  ann  leis  am  bu  mhiann  e61as 
fhaotainn  air  facal  Dhe,  ach  cha'n  'eil  iad 
debnach  a'  bheag  de'n  tiine  a  chaitheamh  ann  a 
bhith  rannsacbadh  an  fhacail.  Tha  iad  cosmh- 
ail  ri  duine  a  bhiodh  toileach  barr  math  a  bhith 
aige  'san  fhoghar,  ach  leis  nach  aill  a'  bheag  a 
dh'  obair  a  dheanamh  'san  earrach. 


Tha  cuid  ann  leis  an  fhearr  gu  mor  comhairle 
a  thoirt  seachad  na  comhairle  a  ghabhail. 

Tha  e  math  gu  lebr  comhairle  na  corach  a 
thoirt  air  daoine  eile,  ach  tha  e  mbran  na's 
fhearr  gu'n  deanadh  daoine  iad  fein  an  ni  a  tha 
ceart. 

An  uair  a  bhios  an  turadh  ann  's  e  sin  am  gu 
caoineachadh  an  fheoir.  Tha  so  a'  teagasg 
dhuinn  gu'm  bheil  am  ann  air  son  gach  obair  a 
dheanamh 

Ma's  math  leat  do  dhachaidh  a  bhith  sona, 
feuch  cho  math  's  is  urrainn  duitri  deanamh  sona. 

Ma's  miann  leat  daoine  bhith  caoimhneil  riut, 
bi  caoimhneil  riutha.  Tha  caoimhneas  a'  dusgadh 
caoimhneis  annainn,  mar  a  tha  gradh  a'  dusgadh 
graidh. 

Na  dean  suas  cairdeas  ris  an  duine  aingealta, 
no  ris  a'  mhisgear.  Faoduidh  tu  bhith  cinn- 
teach  gu'm  fas  thu  coltach  ri  do  charaid  ma 
bhios  tu  trie  'na  chuidheachd. 

Ma  geibh  thu  am  mach  nach  'eil  muinntir 
eile  cho  math  's  a  shaoil  thu  na  meudaich  an 
bochdan  ann  am  fianuis  an  t-saoghail.  Air  an 
laimh  eile  ma  tha  barail  mhath  agad  air  daoine, 
ma  dean  tuilleadh  's  a'  choir  de  mholadh  orra. 
Tha  cuid  dhe  do  luchd-eblais  nach  'eil  cho  dona 
's  a  tha  thu  'smaointean,  agus  tha  cuid  nach  'eil 
cho  math  's  a  tha  thu  smaointean. 

Ma  tha  beairteas  agad  na  dean  uaill  as,  oir 
faodaidh  e  sgiathan  a  dheanamh  dha  fhein, 
agus  siubhal  gu  luath  air  falbh  as  do  shealladh. 
Na  dean  uaill  asad  fein,  no  as  d'  inblie,  no  as  do 
chairdean  no  a  ni  air  bith  talmhaidh,  "An  ti  a 
ni  uaill  deanadh  e  uaill  as  an  Tighearna.'' 

Ma  thig  calldachd  ort  is  fearr  dhut  gu  mbr  a 
bhith  riaraichte  le  cuisean  na  leigeadh  le  d'  inn- 
tinn  a  bhith  fo  thuilleadh  's  a'  choir  de  dhragh ; 
oir  le  bhith  fo  mhor  dhragh  bheir  thu  tuilleadh 
brbin  ort  fein  agus  cha  leasaich  thu  an  call  a 
thainig  ort. 

Thig  na  trioblaidean  agus  na  trbcairean,  mur  is 
trice,  cha'n  ann  'nan  bnar  ach  nan  grunnam. 

Beag  's  mar  a  dh'  fhaodas  cuid  de  ar  gniomh- 
aran  a  bhith  'n  ar  sealladh  fein,  faodaidh  mbran 
uilc,  no  moran  math  eirigh  uapa  air  a'  cheann 
mu  dheireadh ;  air  an  aobhar  sin  bu  choir 
dhuinn  ar  ceart  aire  thabhairt  ciod  a  theireamaid 
agus  ciod  a  dheanamaid. 

Mur  'eil  duine  ann  an  tomhas  beag  no  mbr 
naomh,  cha'n  urrainn  a  dhbchas  a  bhith  beb. 

Am  fear  a  tha'  gabhail  tlachd  anns  a'  pheac- 
adh,  cha'n  urrainn  e  tlachd  a  bhith  aige  ann  ari 
Dia.  Gabh  tlachd  an  Dia  is  bheir  e  dhuit  \z.vt 
rim  do  chridhe  chaoidh  :  do  shlighe  tabhair  suas 
do  Dhi ;  earb  ris  is  bheir  gu  crich. 

Is  comharradh  foUaiseach  air  fior  chriosduidb 
spiorad  Dhe  a  bhith  'na  chomhnuidh  ann. 


Air.  2 


1907. 


MU  CHRAOBH-SGAOILEADH 
T-SOISGEIL. 


AN 


"  Thugadh  dhomhsa  gach  uile  chumbachd  air 
neamh  agus  air  an  talamh.  Uime  sin  imicliibh- 
sa,  agus  deanaibh  deisciobuil  de  gach  uile  chinn- 
each,  'gam  baisteadh  ann  an  ainm  an  Athar, 
agus  a'  Mhic,  agus  an  Spioraid  naoimli  ;  a' 
leagasg  dhaibh  gacli  uile  nithean  a  dh'  aithn 
mise  dhuibh  a  choimhead  :  Agus  feuch  a  ta 
raise  maille  ribh  a  ghnath,  gu  deireadh  an  t- 
saoghail."  Mata  28,  19-20.  Tha  na  briathran 
so  gu  soilleir  a'  dearbhadh  dhuinn  gu  bheil  e 
mar  fhiachan  air  na  h-uile  a  fhuair  a'  bheag  no 
'nihor  a  dh'  e61as  air  Dia,  agus  air  cumhachd  an 
t-soisgeil,  an  uile  dhichioU  a  dheanamh  a  chum 
deadh  sgeul  a  mhbr  aoibhneis  a  chur  a  dh' 
ionnsuidh  na  muilleannan  a  tha  fhathast  gun 
Dia,  gun  d6chas_anns  an  t-saoghal.  Cha  'n  'eil 
ann  ach  an  aon  dbigh  air  an  obair  mhath  so  a 
dheanamh  : — 'Se  sin,  daoine  a  fliuair  eblas 
slainteil  air  Dia  ann  an  Criosd,  agus  a  fhuair 
gairm  o  Dhia  gu  dhol  a  shearmonachadh  an  ! 
t-soisgeil,  a  chur  le  teachdaireachd  na  slainte  a 
dh'  ionnsuidh  nan  Ii'idhach  agus  nan  Cinneach. 
Tha  e  'na  aobhar  gairdeachais  do  na  h-uile 
leis  am  miann  aobhar  Chriosd  a  chur  air 
aghaidh,  a  bhilh  'cluinntinn  's  a'  faicinn,  gu 
bheil  mbran  anns  an  rioghachd  a  tha  ro  dhebnach 
adhol  le  teachdaireachd  na  slainte  adh'  ionnsuidh 
nan  liidhach  agus  nan  Cinneach,  nam  biodh 
doigh  ann  air  an  cosdais  a  phaigheadh.  Na  'm  b' 
urrainn  iad  so  cosg  orra  fhdin  cha  'n  iarradh  iad 
cuideachadh  sam  bith  o  neach  eile.  Mar  is 
trice,  tha  'n  Tighearn'  a'  gairm  nan  seirbhiseach 
cho  urramach  's  a  th'  aige  anns  an  t-saoghal,  a 
measg  an  t-sluaigh  aig  nach  'eil  aon  chuid 
saoibhreas  no  ard-inbhe.  Ann  an  craobh- 
sgaoileadh  an  tsoisgeil,  faodaidh  na  h-uile.  ma 
tha  toil  aca,  an  lamh  a  chur.  Chuir  am 
Maighstir  urram  gle  mhbr  air  a  luchd  lean- 
mhuinn  an  uair  a  dh'  earb  e  riutha  an  soisgeul 
a  shearmonachadh  do  gach  diiil.  ladsan  nach 
toir  lamh-chuideachaidh  seachad  tha  iad  a' 
diiiltadh  na  h-urram  so  a  ghabhail  o  'n 
Mhaighstir.  Tha  sinn  a'  meas  gu  bheil  iad,  an 
da  chuid,  a'  cur  beannachd  a  dhith  orra  fhein, 
agus  air  muinntir  eile.  Nan  do  chuir  Dia  a 
leithid  a  dh'  urram  air  na  h-ainglean  's  gu  'n  d' 
earb  e  riutha  an  soisgeul  a  shearmonachadh  do 
gach  duil,  bhiodh  iad,  tha  sinn  a'  creidsinn,  gid 
dhebnach  air  an  urram  a  ghabhail,  agus  iad 
fhein  a  thoirt  suas  gu  buileach  do  'n  obair 
mhath  so.     Tha  'n  fhirinn  ag  innseadh  dhuinn 


nach  e  rahain  gur  toil  leb  a  bhith  'gabhail 
beachd  le  tiachd  air  an  obair  mhath  so,  ach  mar 
an  ceudna,  gu  bheil  iad  a'  deanamh  gairdeachais 
an  uair  a  ni  peaeach  aithreachas.  Nan  'd 
earbadh  searmonachadh  an  t-soisgeil  riutha  cha 
bhiodh  feum  air  aon  sgillinn  airgid  a  chruinn- 
eachadh  a  chum  biadh  no  aodach  a  thoirt 
dhaibh,  no  chum  faradh  a  phaigheadh  air  an  son 
an  am  dhaibh  a  bhith  falbh  o  dhuthaich  gu 
duthaich.  Ach  ann  an  riaghladh  glic  an 
Tighearna  is  ann  ri  daoine  a  dh'  earbadh  craobh- 
sgaoileadh  an  t-soisgeil,  do  bhrigh  gur  iad  bu 
fhreagarraiche  air  son  na  h-oibre  na  na-h-ainglean. 

Dh'  ainmich  sinn  mar  tha  gu  'n  do  chuir  Dia 
urram  mhbr  oirnn  fhein  's  air  muinntir  eile  an 
uair  a  dh'earb  e  an  obair  mhbr  agus  ghlbirmhor 
so  ruinn  ;  agus,  le  diiiltadh  cuideachadh  a  thoirt 
seachad,  gu  robh  muinntir  a'  cur  beannachd  a 
dhith  orra  fhein.  Tha  e  fior  gu  lebr  gu  bheil  e 
'na  bheannachd  ni's  mb  ni  a  thoirt  seachad  na 
ni  fhaotainn.  An  uair  a  thig  diol-deirc  a  dh' 
iarraidh  fasgadh  na  h-oidhche,  no  greim  a  dh' 
itheas  e,  gabhaidh  sinn  truas  dheth,  agus  bheir 
sinn  dha  rud,  agus  bithidh  sinn  taingeil  nach 
'eil  sinn  fhein  ann  an  suidheachadh  an  diol- 
deirc  thruaigh,  ach  gu  bheil  sinn  comasach  air 
a'  bheag  no  mhbr  de  chuideachadh  a  thoirt  dha 
'na  eiginn. 

Aidichidh  sinn  uile  gur  gniomh  math  biadh  a 
thoirt  do  'n  acrach,  deoch  a  thoirt  do  'n  tart- 
mhor,  an  lomnochd  a  chbmhdachadh,  agus 
fasgadh  na  h-oidhche  a  thoirt  do  'n  anrach 
bhochd,  thruagh,  aig  nach  'eil  ionad  anns.  an 
cuir  e  'cheann  fodha.  Ach  nach  e  gniomh 
mbran  is  fhearr  lamh-chuideachaidh  a  thoirt 
seachad  a  chum  an  t-anam  neo-bhasmhor  a 
shaoradh  o  chionta,  agus  o  chumhachd  peacaidh? 
Ged  is  aobhar  brbin  agus  mulaid  a  bhith 
'faicinn  mar  tha  creutairean  truagha  gun  ach 
gan  an  deb  annta  le  cion  bidh  is  aodaich,  nach 
ann  a  tha  'n  t-aobhar  brbin  agus  mulaid  ro  mhbr 
a  bhith  'toirt  fa  near  gu  bheil  an  earann  a  's 
mb  de  shluagh  an  t-saoghail  tur  aineolach  air  an 
Ti  a  tha  na  aonar  comasach  air  an  deanamh 
sona,  araon  anns  an  t-saoghal  so,  agus  anns  an 
t-saoghal  thall.  O  !  nach  cruaidh  an  cridhe  a  th' 
aig  an  neach  a  thilleas  am  bochd  agus  am 
feumach  air  falbh  falamh  6  'dhorus  an  uair  a 
dh'  fhaodas  e  cobhair  a  dheanamh  orra  !  Ach 
nach  cruidhe  gu  mbr  cridheachan  na  muinntir 
a  dhiultas  a  bheag  no  mhbr  de  chuideachadh  a 
dheanamh  leis  na  truaghain  a  tha  basachadh 
gu  siorruidh  le  cion  eblais  air  Dia  tre  losa 
Criosd  !  1 


G 


Tha  fhios  againn  gu  bheil  m5ran  ann  a  tha  ro 
dheas  air  a  bhith  gabhail  an  leithsgeil  fhein  a 
chionn  nach  'eil  iad  beairteach.  Their  iad  gu 
bheil  barrachd  's  gu  lebr  acasan  ri  dheanamh 
iad  fhein  agus  an  teaghlaichean  a  chumail  suas. 
Their  iad  mar  an  ceudna  nach  fhairich  an 
eaglais  aice  no  uaipe  am  beagan  cuideachaidh  a 
b'  urrainn  iadsan  agus  an  leithidean  a  thoirt 
seachad  a  chum  aobhar  Chriosd  a  chur  air 
aghaidh.  Ged  a  their  iad  so  ruinne,  agus  riutha 
fhein,  cha  seas  e  ann  an  lathair  Dhe.  Dh' 
fhaodadli  a'  bhantrach  bhochd  a  chuir  an  da 
bhonn  bheag  anns  an  ionmhas  na  leith-sgeulan 
a  dh'  ainmich  sinn  a  ghabhail,  agus  an  da  bhonn 
bheaga  a  chumail  na  pbcaid  gus  an  ceannaich- 
eadh  i  greim  de  'n  bhiadh  leotha.  Ach  nan  d' 
rinn  i  so  cha  bhiodh  iomradh  oirre  anns  an 
t-soisgeul.  Ghabh  an  Ti  do  'n  l^ir  na  h-uile 
nithean  beachd  s6nraichte  air  an  ni  a  rinn  i, 
agus  mhol  e  gu  m6r  i.  Cha  'n  ann  air  maud  na 
suim  a  bheir  sinn  seached  a  tha  'n  Tighearna  'g 
amharc,  ach  air  an  durachd  leis  an  toir  sinn 
seachad  i.  Giulainidh  gach  neach  'uallach  fein. 
Tha  aon  sgillinn  o  'n  duine  bhochd,  ma  's  e  sin 
na  's  urrainn  da  thoirt  seachad,  cho  luachmhor 
ann  an  sealladh  Dhe  ri  punnd  Sasunnach  o  'n 
duine  bheairteach  nach  fhairich  'ga  dhith  e. 

Dh'  fhaodadh  iomadh  aon  mbran  a  bharrachd 
a  dheanamh  na  tha  iad  a'  deanamh  nan  gabhadh 
iad  an  dbigh  a  tha  'n  fhirinn  ag  iarraidh  orra 
ghabhail.  "  Air  ceud  la  gach  seachduin, 
cuireadh  gach  aon  agaibh  ni  leis  fein  anns  an 
ionmhas,  a  reir  mar  a  shoirbhich  leis,  chum 
nach  bi  tionail  ri  'n  deanamh  an  uair  a  thig 
mise."     I  Cor.  i6,  2. 

Is  aithne  dhuinn  duine,  ach  cha  cheadaich  e 
•dhuinn  innseadh  c5  e,  a  thug  barrachd  seachad 
an  uiridh  air  son  aobhar  an  Tighearna  na  thug 
e  bliadhna  riamh,  agus  an  dochas  gu  'n  dean 
mbran  eile  air  a'  bhliadna  so  mar  a  rinn  esan  an 
uiridh,  agus  mar  a  tha  sinn  a'  creidsinn  a  ni  e 
'm  bliadhna,  innsidh  sinn  dhuibh  an  doigh  a 
ghabh  e. 

O  chionn  cbrr  is  bliadhna  bha  aire  an  duine 
so  air  a  tarruinn  gu  riior  a  dh'  ionnsuidh  na 
dbigh  anns  an  robh  mbran  de  luchd-leanmhuinn 
Chriosd  a'  gabhail  an  leithsgeil  fein  le  bhith 
smaoineachadh  gu  'n  cuireadh  e  call  m6r  orra 
cuibhrionn  de  'm  maoin  a  thoirt  seachad  do 
Chriosd.  An  am  dha  bhith  gabhail  beachd  air 
na  h-earrannan  de  'n  fhirinn  a  tha  'g  aithneadh 
an  dleasdanais  so,  rinn  na  h-earrannan  a  leanas 
greim  mbr  air  an  inntinn  aige.  "Thoir  urram 
do  'n  Tighearna  le  d  mhaoin  agus  le  ceud 
thoradh  d'  uile  chinneis :  Agus  lionar  do 
shaibhlean  le  pailteas,  agus  le  fion  nuadh 
ruithidh  d'  fhion-amair  thairis."  Gnat.  3,  9-10. 
•'Thugaibh  an  deicheamh  uile  chum  an  taigh- 
thasgaidh,  air  chor  's  gu  'm  bi  biadh  ann  am 


thaigh-sa ;  agus  dearbhaibh  mi  nis  leis  an  ni  so, 
tha  Tighearna  nan  sluagh  ag  radh,  mur  fosgail 
mi  dhuibh  uinneagan  nan  neamh  a  dhbrtadh  a 
mach  beannachd  oirbh,  gus  nach  bi  aiteann  g'  a 
chumail."  Mai.  3.  10.  Cha  b'  urrainn  da  gun 
fhaicinn  gu  robh  na  h-earrannan  so  a'  teagasg 
nach  cailleadh  neach  sam  bith  air  a  chuid  fhdin 
a  thoirt  do  Dhia.  Air  ceud  la  gach  seachduin 
chuir  e  tasdan  air  leth  ann  am  bocsa  beag  do  'n 
Tighearna.  Aig  deireadh  na  bliadhna,  bha  da 
phunnd  Shasunnach,  agus  da  thasdan  deug  deas 
aige  air  son  aobhar  Chriosd  a  chuideachadh  am 
measg  nan  ludhach  agus  nan  Cinneach.  Tha  e 
'g  aideachadh  ann  an  lathair  Dhe  gu  'n  do 
shoirbhich  an  Tighearna  leis  re  na  bliadhna  dh' 
fhalbh  ni  bu  mho  na  shoirbhich  e  leis  riamh, 
agus  tha  e  suidhichte  air  barrachd  is  tasdan  a 
chur  air  leth  do  'n  Tighearna  gach  Sabaid  air  a' 
bhliadhna  so.  A  chum  a  dhearbhadh  nach 
duine  a  tha  comasach  air  moran  a  thoirt  seachad 
a  th'  ann,  faodar  a  radh  gu  robh  e  iomadh  latha 
gun  aon  tasdan  na  phbcaid.  Ach  aig  deireadh 
na  bhiadhna  tha  e  'g  radh  gu  'n  do  chiomhlion 
an  Tighearna  a  ghealladh  a  reir  mar  thomhais  e 
fhein  umhlachd  do  'n  Tighearna. 

Bheireamaid  comhairle  air  ar  luehd-leughaidh 
an  dbigh  a  ghabh  an  duine  so  a  ghabhail,  agus 
a'  bheag  no  'mhor  a  chur  air  leth  do  'n  Tighearna 
gach  latha  Sabaid.  Ma  chuireas  gach  neach 
aon  sgillinn  ruadh  air  leth  gach  latha  Sabaid, 
bidh  ceithir  tasdain  agus  ceithir  sgillinn  aige 
gus  an  sineadh  seachad  aig  ceann  na  bliadhna. 
Nis,  is  ann  ro  bhochd  a  tha  'n  duine  nach 
urrainn  aon  sgillinn  'san  t-seachduin  a  thoirt 
do  'n  Tighearn.  Ni  bonn-a-sia  san  t  seachduin, 
da  thasdan,  agus  da  sgillinn  's  a'  bhliadhna ; 
agus  ni  fearrdainn  'san  t-seachduin  tri  sgillinn 
deug  'sa  'bhliadhna.  Beag  's  mar  a  tha  'n 
t-suim  so  is  lionar  iad  nach  toir  seachad  i. 
Agus  gu  cinnteach  feumar  a  radh  gur  ann  gle 
ainneamh  a  thachras  duine  ruinn  a  tha  cho 
bochd  's  nach  urrainn  da  fearrdainn  's  an 
t-seachduin,  no  sgillinn  's  a'  mhios,  a  chur  air 
leth  do  'n  Tighearna.  Feumaidh  sinn  a  radh, 
ged  a  tha  e  nar  ri  aithris,  gu  bheil  cuid  de  'n 
luchd-comanachaidh  nach  toir  aon  sia  sgillinn 
do  'n  Tighearna  eadar  da  cheann  na  bliadhna  ! 
Ach  nan  cuireadh  a  h-uile  aon  de  'n  luchd- 
comanachaidh  a  th'  ann  an  Eaglais  na  h-Alba 
aon  fhearrdainn  's  an  t-seachduin,  no  tri  sgiliinn 
deug  's  a'  bhliadhna,  air  leth  a  chur  a  dh' 
ionnsuidh  nan  Cinneach,  dheanadh  e  c6rr  is 
ochd  mile  fichead  punnd  Sasunnach.  Dheanadh 
sgillinn  's  an  t-seachduin,  cbrr  math  is  cbig 
fichead  mile  punnd  Sasunnach  's  a'  bhliadhna 
Agus  dheanadh  tasdan  's  an  t-seachduin,  corr 
math  is  muillean,  agus  tri  cheud  mile  punnd 
Sasunnach  's  a'  bhliadhna.  Uaith  so  chi  sinn 
gur  mbr  a  dh'  fhaodas  daoine  dheanamh  a  chum 


aobhar  Chriosd  a  chraobh-sgaoileadh  ma  ni  iad 
ni  's  urrainn  daibh.  Nam  biodh  gradh  mor 
againn  do  Chriosd  bhiodh  tlachd  mor  againn 
arm  a  bhith  'toirt  iimhlachd  d'  a  aithntean,  agus 
bheireamaid  gu  toileach  seachad  na  b'  urrainn 
duinn  a  chum  gu  'm  biodh  deadh  sgeul  a  mhor 
aoibhneis  air  aithris  ann  an  cluasaibh  nan 
ludhach  agus  nan  Cinneach.  Ma  thig  caraid 
a  tha  ionmhuinn  leinn  a  dh'  ionnsuidh  ar 
taighean,  nach  sinn  a  bhios  deas  a  chum  na 
nithean  a  's  fhearr  a  tha  fo  na  cabair  againn  a 
chur  air  a'  bhbrd  'na  lathair  ?  Nach  e  Criosd 
an  caraid  is  dliiithe  a  leanas  na  brathair  ?  Nach 
e  an  neach  mu  dheireadh  air  am  bu  choir 
dhuinn  dearmad  a  dheanamh  ? 

Tha  aobhar  againn  a  bhith  'creidsinn  gur  e 
cion  toirt  fa  near  is  coireach  gu  bheil  m6ran  de 
shluagh  na  h-eaglais  a'  toirt  cho  beag  seachad 
de  'm  maoin  a  chum  aobhar  Chriosd  a  chur  air 
aghaidh  anns  an  t-saoghal.  Cha  'n  'eil  iad  a' 
toirt  fa  near  gu  bheil  uibhir  feuma  air  cuideach- 
adh  a  thoirt  seachad,  agus  cha  mho  a  tha  iad  a' 
toirt  fa  near  gu  'n  dean  an  cuideachadh  beag  a 
theid  aca  fhein  air  a  thoirt  seachad  feum  m6r 
air  a'  cheann  mu  dheireadh.  Iain. 


SEUMAS. 


II. 
Anns  an  am  mu'm  bheil  sinn  a'  sgriobhadh  bha 
ciiisean  ann  an  iomadh  cearn  dhe  n  Ghaidheal- 
tachd  gle  neo-choltach  ri  mar  a  tha  iad  'san  am 
so.  Cha'n  fhaighteadh  litrichean  agus  paipearan 
ach  gle  ainneamh.  Anns  a'  chuid  de'n  sgir- 
eachd  anns  an  robh  Seumas,  b'ann  aon  uair  'san 
t-seachdain  a  thigeadh  Caluni  Posta  leis  na 
litrichean  's  leis  na  paipearan.  Cha  bhiodh  am 
poca  ach  aotrom,  ach  mar  a  tha'n  sean  fhacal,  ag 
radh  "  Is  trom  an  cat  ri  ghiulan." 

Bha  astar  corr  math  is  fichead  mile  eadar  an 
taigh  sgoile  agus  am  baile  anns  an  robh  Calum 
Posta  a'  faotainn  nan  litrichean,  agus  bhiodh 
Calum  c6ir  mar  bu  trice  a'  gabhail  an  rathaid 
air  a  shocair  fhein,  agus  mar  bu  trice  bhiodh  e 
aon  uair  deug  'san  oidhche  mu'n  ruigeadh  e 
ceann  a  thurais. 

Bha  Calum  'na  dhuine  gle  laghach  caoimhneil, 
agus  bu  trie  a  bheireadh  e  gnothaichean  beaga 
feumail  anns  a'  phoca  a  dh'  ionnsuidh  dhaoine, 
agus  air  a  shon  so  bhiodh  daoine  'cur  deur  beag 
de  Mhac-na-braiche  na  tbairgse  a  chionn  nach 
gabhadh  e  paigheadh  air  son  a  dhragha.  Bu 
trie  leis  deur  beag  a  ghabhail  anns  an  taigh-bsda 
a  bha  leitheach  rathaid  Agus  bha  e  air  aithris 
gu'm  trie  leis  greis  chadal  a  dheanamh  ri  taobh 
an  rathaidh  no  ann  an  taigh  an  uair  a  bhiodh  e 
sgith  agus  an  t-side  blath,  ach  cha  chuala  riamh 
gu'n  do  chain  e  htir  no   ni  sam  bith  eile  a  bha 


air  earbsadh  nis.  Agus  ged  a  bhiodh  e  iomadh 
uair  car  anamoch  gu'n  a  cheann-uidhe  a  ruighinn 
cha  bhiodh  neach  sam  bith  a'  cur  gearain  a 
steach  'na  aghaidh,  ged  a  bhiodh  neach  a  gear- 
ain eatorra  fhein  a'  gearain  gu'n  robh  e  'cur 
seachadh  moran  uine  air  an  rathad. 

B'e  Seumas  mar  bu  trice  a  bhiodh  a'  toirt  nan 
litrichean  thun  nan  daoine  a  bha  faisge  air  an 
taigh  sgoile.  Bhiodh  e-fhein  a'  dol  a  dh'iarraidh 
a  chuid  litrichean  is  phaipearan  fhein  agus  bha 
e  toirt  leis  gach  litir  a  bhiodh  a'  tighinn  a 
dh'ionnsuidh  muinntir  a'  bhail  a  bha  dliith  air 
an  taigh  sgoile.  Bha  chuis  mar  so  an  am  a 
gheamhraidh  ;  oir  ged  a  bha  sluagh  a'  bhaile  ag 
aideachadh  na  diadhachd  cha  leigeadh  an 
t-eagal  dhaibh  a  dhol  troimh  'n  ghleann  air 
feasgar  dorcha  aig  am  sam  bith  dhe'n  bhliadhna. 
Bha  e  air  aithris  gu'n  robhas  a'  faicinn  bhochdan 
anns  a'  ghleann,  agus  a'  cluinntinn  fuaim  mi- 
nadarra  ann.  Cha  robh  Seumas  a'  toirt  geill 
sam  bith  de  na  beachdan  aimeadach  so.  Their- 
eadh  e  riutha  gu'n  robh  Dia  comasach  air  an 
gleidheadh  o  chunnart  ann  an  dubh  a'  mheadh- 
ain-oidhche  cho  math  's  a  dheanadh  e  ann  an 
solus  a'  mheadhain  latha. 

Agus  ged  a  bha  iad  ag  aideachadh  gu'n  robh 
so  fior,  gidheadh  bha  iad  a'  dliith-leantuinn  ris 
nabeachdan  faoinea  bha  airan  aithris  nam  measg. 

Bha  'n  gleann  a'  dol  troimh  aite  uaigneach, 
agus  bha  pairt  dheth  gle  chumang,  agus  bha  na 
bruaichean  aige  gu  math  cas.  Bu  trie  le  clachan 
tuiteam  sios  car  ma  char,  agus  fuaim  a  dhean- 
amh a  chuireadh  eagal  air  daoine  anns  an  robh 
m6ran  a  bharrachd  eagail  na  bha  aca  de 
dh'earbsa  ann  an  gleidheadh  Dhe,  ged  a  bha  iad 
uile  a'  labhairt  mu  ghleidheadh  Dhe.  Is  iomadh 
uair  a  thug  sinn  fa  near  ma  a  tha  daoine  cho 
crabhach  le'n  bilean  am  feadh  's  a  tha  cridh- 
eachan  gun  earbsa  sam  bith  ann  an  gleidheadh 
an  Tighearna.  Bha  Seumas  agus  a  thurasan 
troimh  'n  ghleann  ann  an  dubh  a'  mheadhain- 
oidhche  'nan  aobhar- bruidhne  anns  an  aite. 
Theireadh  cuid  nach  robh  mothachadh  duine 
ann  an  uair  a  rachadh  e  troimh  'n  ghleann  gun 
fhiamh  gun  eagal.  Gha  robh  Seumas  a'  cur 
uireachd  sam  bith  air  na  bha  daoine  ag  radh  ma 
dheidhinn.  Bha  fhios  aige  gu'm  bu  cho  math 
dha  fuireach  samhach  ri  feuchainn  ri  toirt  air 
daoine  cul  a  chur  ris  na  beachdan  amaideach 
do'n  robh  iad  a'  toirt  geill  o'n  oige.  Bu  trie  a 
chualas  e  ag  radh  nach  b'ann  le  cumhachd  an 
aideachaidh  a  bha  iad  a'  deanamh  a  bha  iad 
air  an  saoradh  o'n  t-saobh-chreideamh  do'n  robh 
iad  a'  toirt  geill,  ach  o'n  eolas  a  bha  daoine  a' 
faotainn  air  eblas  air  nithean  aimsireil.  Bha 
cuid  de  na  mnathan  cho  crabhach  's  a'  bh'anns 
an  aite  a'  toirt  do  bhuidseachd  agus  do 
bheachdan  faoine  eile.  Is  minic  a  thubhairt  e 
gur  e  am   maighstir  sgoile,  agus  nach  b'e  am 


ministear  a  chuir  an  teicheadh  air  na  sithichean, 
air  na  taibhsean  's  air  na  bochdain  a  bha  cho 
pailt  aon  uair  anns  an  diuhaich. 

Cha  do  leig  Seumas  as  a  cheann  oidhirp  a 
thoirt  air  bran  a  dheanamh,  ach  cha  robh  e  ag 
amas  air  cuspair  freagarrach  gu  leor. 

Anns  an  am  thainig  6g  do'n  duthaich  a  bha 
iomadh  bliadhna  air  falbh  a'  siubhal  an  t-saoghail 
agus  ag  iarraidh  an  fhortain.  B'e  Alasdair  mac 
Dhomhaill  bhuidh'  a  theirteadh  ris  gu  cumanta 
mu'n  d'  fhalbh  e.  Bha  e  na  ghille  iomchuidh 
gu  lebr,  agus  thu  mi  creidsinn  gu'n  d'rinn  e  aon 
fhortan  a  bh'aige  ann  an  dbigh  laghail  gu  lebr; 
ach  an  uair  a  thill  e  dhachaidh  theireadh  cuid 
de  dhaoine  gur  ann  leis  an  olc  a  rinn  e  na  bh'aige 
de  dh'fhortan.  Theireadh  cuid  gu'n  do  phbs  e 
boirionnach  aig  an  robh  mbran  airgid,  agus  gu'n 
do  theich  e  air  falbh  's  gu'n  d'  fhag  ann  an  sid  i. 

Biodh  so  mar  so,  no  na  bitheadh,  bha  nieas 
mbr  air  Alasdair  an  uair  a  thill  e  agus  a  dh' 
fhosgail  e  buth  mhbr.  Is  e  Mr.  Mac  Aunnlaidh 
a  t-ainm  a  bh'aig  muinntir  an  aite  air  mar  bu 
trice,  ach  bha  cuid  ann  nach  canadh  ris  ach 
Alasdair  Mac  Dhomhiull  bhuidhe,  an  t-ainm  a 
theirteadh  ris  'na  oige. 

Mar  a  bha  cunianta  agus  nadarra  gu  leor 
thoisich  a  h-uile  nighean  tuathanaich  a  bh'anns 
an  dijthaich  ri  feuchainn  ri  greim  air.  Cha  b'ann 
a  chionn  gu'n  robh  e  na  dhuine  dreachar,  ach  a 
chionn  gu'n  robh  iad  a  smaointean,  gu'n  robh 
airgiod  aige. 

Bha  Alasdair  'ga  mheas  fhein  gle  fhortanach 
nam  faigheadh  e  greim  air  an  darna  te  dhe  dithis 
a  bha  cho  deonach  deanamh  suas  ris,  ach  cha 
robh  fhios  aige  co  an  te  dhiubh  a  bhiodh  deo- 
nach a  ghabhail ;  agus  is  e  thainig  as  a'  chuis 
gu'n  robh  e  'cumail  laimhe  riutha  le  cheile. 

Mar  is  minic  a  thachair,  ghabh  te  dhe  na 
h-igheanan  amhrus  gu'n  robh  Alasdair  neo- 
dhileas  dhith,  agus  bha  i  'fas  coma  dheth.  B'i 
so  s  te  bu  bhbidhche  dhe'n  dithis,  agus  a  bharr- 
achd  air  sin  b'na  i  car  mbr  aisde  fhein.  Chaidh 
an  sgeul  am  mach  gu'n  robh  Alasdair  a'  cumail 
laimhe  ris  a  dithis,  agus  nach  gabhadh  an  te 
bhoidheach  idir  e. 

An  uair  a  chuala  Seumas  an  sgeula  so, 
smaoinich  e  gu'n  deanadh  e  bran  dhaibh  nan 
triuir.  Thug  e  iiine  mhath  air  deanamh  an 
brain.  Cha  robh  facal  mi-iomchuidh  no  mi- 
mhodhail  eadar  a  dha  cheann  ;  ach  bha  feala- 
dha  gu  lebr  ann.  Bha  cuid  dhe  'na  Ghailig, 
agus  pairt  dhe  'na  Bheurla  mar  a  bha  na 
h-urnuighean  a  bhiodh  Soutar  a'  deanamh. 

Cha  robh  Seumas  an  dull  gu'm  faigheadh 
neach  sam  bith  fios  mu'n  bran ;  ach  fhuaradh 
am  mach  m'a  dheidhinn  air  an  dbigh  so  ;  Bha 
nighean  bg  thapaidh  anns  an  aite  a  bhiodh  gu 
math  trie  a'  tathaich  air  an  taigh  sgoile  o'n  a  bha 
i  'na  bana-chompanaich  aig  piuthar  Sheumais. 


Thachair  dhi  air  latha  araidh  gu'n  robh  an 
nighean  so  air  cheilidh  air  piuthar  a  mhaighstir- 
sgoile  Agus  o'n  a  bha  i  car  luath  lamhach 
thbisich  i  ri  rurach  air  feadh  leabraichean 
Sheumais,  agus  ciod  a  thachair  rithe  ach  an 
leabhar  anns  an  robh  an  t-6ran  sgriobhte.  Agus 
thoisich  i  ri  leughadh  do  phiuthar  Sheumais. 
Chord  an  t-bran  cho  math  riutha  's  gu'n  do 
thbisich  iad  ri  glagadaich  's  ri  gaireachdaich. 

Anns  an  am  co  thigeadh  a  steach  do'n 
t-seomar  ach  Seumas.  Cha  robh  fhios  aige  ciod 
a  theireadh  e.  Bu  leasg  leis  trod  rithe  ;  ach 
ghuidhe  e  oirre  gun  ghuth  a  thoirt  ri  neach  sam 
bith  mu'n  bran.  Ach  chbrd  an  t-bran  rithe  cho 
math  's  nach  robh  comasach  dhi  gu'm  a  bhith 
bruidhinn  air  's  ga  sheinn. 

Mar  so  chuala  an  duthaich  mu'n  bran.  Ged 
a  chual'  Alasdair  m'  a  dheidhinn,  cha  do  ghabh 
e  siiim  sam  bith  dheth.  B'e  Seumas  fhein  an 
t-aon  neach  a  bha  dii!mibach  de'n  te  a  dh'aithris 
an  sgeul. 

An  ceann  beagan  uine  thainig  bas  aithghearr 
air  Alasdair,  agus  bha  'n  droch  cruth  a  bh'  air  a 
chorp  'na  chulaidh-eagail  do  na  h-uile  a  chaidh 
g'a  fhaicinn  sinnte  air  an  eislich. 

An  latha  an  deigh  a  bhais  chaidh  Seumas  a 
dh'iarraidh  nan  litrichean  mar  bu  ghnath  leis  ; 
agus  chuala  e  sgeula  air  bas  Alasdair  agus  cho 
aognaidh  's  a  bha'n  cruth  a  bh'air  an  deigh  a 
bhais.  Agus  smaoinich  air  an  bran,  ach  bha  e 
cho  math  's  a  dh'  fhaodadh  a  feuchainn  ris  na 
smaointean  an  so  a  chur  dheth.  Ach  bha  so  a' 
fairleachdain  dheth. 

An  uair  a  bha  e  'greis  air  aghart  air  an  rathad 
troimb,  thainig  a  smaointean  so  gu  gu  grad  thun 
na  h-inntinn  aige  "Ma  thachras  Alasdair  rium 
anns  a'  ghleann?" 

Bhuail  an  t-eagal  e  cho  mbr  's  gur  gann  a 
sheasadh  e  a  chasan.  Smaoinich  e  uair  dha  air 
tilleadh  ain  ais  thun  an  taighe  a  b'  f  haisge  dha ; 
ach  an  deigh  na  bha  e  deanamh  de  bhosd  as 
cho  neo-sgathach  'sa  bha  e,  agus  a  liuthad 
oidhche  dhbrcha  a  chaidh  e  troimh  'n  gleann, 
cha  d'  thug  e  ceum  air  ais.  Ach  leis  gu'n  robh 
e  'faicinn  coltas  duine  anns  gach  creig  agus  geig 
a  bha  ri  taobh  an  rathaid.  Chuimhnich  e  gu'n 
robh  Dia  comasach  air  a  dhion  o  gach  cunnart 
air  an  oidhche ;  agus  gu'n  robh  Alasdair  'na 
shineadh  gun  chomas  gluasad,  agus  nach  robh 
dad  a  cur  an  eagail  ach  mar  a  bha'  chogais  'g  a 
dhiteadh.  Mar  a  thuirt  am  bard.  "Ni  a  chog- 
ais chiontach  gealtairean  dhinn  uile." 

Thbisich  e  ri  urnuigh  ri  Dia  agus  ri  coiseachd 
gu  socrach  air  aghart,  agus  mu'n  d'rinn  e  mile  a 
dh'  astar  dh'  fhalbh  an  t-eagal  buileach  glan 
dheth.  Ma  sguir,  no  nach  do  sguir  e  dhe  na 
h-brain  cha'n  urrainnear  a  radh.  Ach  is  trie 
a  chualas  e  ag  radh  gur  i  an  urnuigh  ud  urnuigh 
a  b'  fhearr  a  bh'air  chuimhne  aige  a  rinn  e  riamh. 


Air.  3. 


1907. 


MU  THRIOBLAIDEAN  NA  BEATHA  SO. 


"  Ged  nach  tig  amhghar  a  mach  as  an  duslach, 
agus  nach  fas  carraid  as  an  talamh,  gidheadh, 
rugadh  an  duine  a  chunn  carraid,  mar  a  dh' 
^ireas  na  sradan  suas."  lob.  v.  6,  7.  Tha  na 
briathran  so  a'  teagasg  dhuinn  gu  bheil  iomadh 
trioblaid  agus  deuchainn  ri  tachairt  ruinn  r^  ar 
cuairt  air  an  talamh.  Fada  no  goirid  gu  'm  bi 
cuairt  neach  air  an  talamh  tachraidh  trioblaidean 
ris.  Is  trie  a  chunnaic  sinn  an  naoidhean  beag, 
lag,  nach  robh  ach  beagan  laithean  be6,  a' 
fulang  mbran  tinneis  agus  trioblaid.  O  am  gu 
am,"  tha  a'  chlann  bheag  air  am  bualadh  as  le 
tinneas  agus  le  trioblaid.  Tha  so  nadurra 
dhaibh  uile ;  ach  tha  cuid  ann  a  tha  bre6ite 
agus  tinn  an  comhnuidh. 

Tha  e  'na  bheannachd  do  'n  oigridh  gu  'n 
dichuimhnich  iad  an  uine  ghearr  na  trioblaidean 
troimh  'n  deachaidh  iad,  agus  nach  smaoinich 
iad  gu  bheil  iomadh  trioblaid  ri  coinneachadh 
riutha  ma  bhios  iad  a  bheag  a  dh'  uine  be6.  Ach 
an  uair  a  thig  muinntir  gu  inbhe,  agus  gu  aois 
araidh,  bu  choir  dhaibh  beachd  a  ghabhail  air  cor, 
agus  air  suidheachadh  an  t-sluaigh  a  tha  mu  'n 
cuairt  orra,  agus  a  thoirt  fa  near  gu  bheil  amhghar 
agus  carraid  ri  bhith  ann  an  crannchur  gach 
neach.  Bu  ch5ir  dhaibh  so  a  thoirt  fa  near,  cha  'n 
ann  a  chum  iad  f  hein  a  leagadh  sios  le  mi-mhis- 
nich  's  le  ro  churam,  ach  a  chum  cruadhachadh 
ris,  agus  a  dhol  troimh  'n  fhasach  so  le  misnich, 
agus  le  muinghinn  anns  an  Ti  tha  comasach  air 
an  cumail  suas,  a  dh'  aindeoin  nan  trioblaidean 
's  nan  amhghairean  a  thachras  riutha.  Bu  ch6ir 
do  na  huile  a  thainig  gu  gliocas  amharc  rompa 
mu  'n  gabhadh  iad  ceum  cudthromach  sam  bith. 
"Ge  b'  e  nach  seall  roimhe  seallaidh  e  na 
dh^igh"  An  saighdear  a  's  curamaiche  a  bheir 
fa  near  an  trioblaid  agus  an  cruaidh  chas  troimh 
'm  feum  e  dhol,  ma  dh'  eireas  cogadh  anns  an 
rioghachd,  is  e  a's  docha  a  bhith  ni  's  misneach- 
aile  anns  a'  chath  na  'm  fear  a  ghabhas  anns  an 
arm,  agus  nach  smaoinich  ach  ainneamh  gu  'n 
tig  air  seasamh  ri  uchd  namhaid.  An  uair  a  dh' 
fheumas  sinn  a  dhol  thar  a'  mhonaidh,  is  e  ar 
gliocas  an  am  falbh  a  thoirt  fa  near  gu  bheil 
aonaichean  agus  garbhlaichean  againn  ri  'n 
direadh,  agus  glinn  ri  'n  tearnadh,  agus  aimh- 
nichean  ri  'n  grunnachadh,  Cha  'n  'eil  math 
dhuinn  a  bhith  smaoineachadh  gu  bheil  slighe 
chbmhnard,  r^idh  rornhainn.  Ach  air  a  shon 
sin,  cha  ruig  sin  leas  tuiteam  ann  am  mi- 
xnhisnich. 


Thugamaid  ar  ceart  aire  nach  tuit  sinn  anns 
an  da  mhearachd  so  anns  an  robh,  agus  anns 
am  bheil,  mbram  a  tuiteam. 

1.  Tha  cuid  ann  a  tha  'n  duil  nach  tachair  a 
bheag  sam  bith  de  thrioblaidean  riutha  anns  an 
t-saoghal.  Tha  iad  a'  toirt  orra  fhein  a  chreid- 
sinn  gu  faigh  iad  na  h-uile  nithean  mar  is 
miannach  lebtha.  Tha  iad  a'  dealbh  'nan 
inntinnean  ciirsa  beatha  nach  tachair  riutha  gu 
brath.  Tha  iad  a'  gealltainn  dhaibh  fdin 
nithean  nach  do  gheall  Dia  dhaibh.  ladsan  a 
leigeas,  mar  so,  le  'n  inntinnean  ruith  air  falbh 
leotha,  agus  a  gheallas  dhaibh  fein  nithean  nach 
fhaigh  iad,  bidh  iad  air  am  mealladh  gu  trie, 
agus  caillidh  iad  am  misneach.  Is  gann  a 
bhios  iad  latha  toilichte  re  am  beatha.  Thig 
na  deuchainnean  do'm  bheil  na  h-uile  buailteach 
do  'n  ionnsuidh  o  am  gu  am,  agus  maille  ris  an 
dragh  inntinn  a  bhios  aca  a  chionn  nach  d' 
fhuair  iad  gach  ni  ris  an  robh  suil  aca,  bheir  na 
deuchainnean  so  orra  a  bhith  creidsinn  gu  bheil 
a  h-uile  cumhachd  a  th'  anns  an  t  saoghal  ag  ar 
nan  aghaidh.  Tha  iad  mar  so  a'  call  seallaidh 
— ma  fhuair  iad  riamh  e — air  obair  freasdail 
Dh6  anns  an  t-saoghal.  Agus  an  uair  a  tha 
neach  a  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  an  t-suidheach- 
aidh  thruaigh  so  cha  'n  urrainn  da  a  bhith  aon 
latha  sona. 

2.  Tha  cuid  eile  ann  a  tha  mi-shona  aig  gac'h 
am,  cha'n  ann  a  chionn  gu  robh  iad  a' gealltainn 
nithean  dhaibh  fh(^in  nach  d'  fhuair  iad,  ach  a 
chionn  gu  bheil  iad  mar  is  trice  a'  toirt  orra 
fhein  a  chreidsinn  gu  bheil  trioblaidean  lionmhor 
dliith  dhaibh.  Cha  'n  iad  na  trioblaidean  a  th' 
aca  an  drasta  a  tha  cur  dragh  cho  mbr  orra,  ach 
na  trioblaidean  ris  am  bheil  suil  aca,  Tha  iad 
lan-chinnteach  gu  bheil  an  ni  ud  's  an  ni  ud  eile 
air  thuar  a  dhol  cearr,  agus  gu  'n  tig  eisean,  is 
trioblaidean,  is  deuchainnean  cruaidhe  'nan 
rathad  an  uine  gun  bhith  fada.  Cha  'n  'eil  fois 
oidhche  no  tamh  latha  aca  leis  mar  a  tha  'n 
inntinnean  tur  triomh  a  ch^ile  leis  an  eagal. 
Cha  'n  iad  trioblaidean  is  eisean  an  earraich  idir 
a  tha  'gam  fagail  cho  tinn  's  cho  mi-shona,  ach 
na  trioblaidean  a  tha  iad  cinnteach  a  tha  gu 
tighinn  nan  rathad  uair-eiginn  'san  t-samhradh, 
no  'san  fhoghar.  A  dh'  aon  fhacal,  is  iad  na 
trioblaidean  nach  d'  fhairich  iad  riamh  a  tha  cur 
dragh  air  na  h-inntinnean  aca.  Tha  iad  so,  mar 
a  bha  'mhuinntir  a  dh'  ainmich  sin  mar  tha,  a' 
call  seallaidh  air  obair  freasdail  Dhe.  Tha 
Criosd  'gan  cronachadh,  'agus  ag  iarraidh  orra 
beachd  a  ghabhail  air  mar  a  tha  Dia  a'  sgead- 


10 


achadh  fedir  na  macharach,  agus  a'  beathachadh 
eunlaith  an  athair.  "  Uime  sin,"  arsa  Criosd, 
na  bithibh  Ian  de  churam  ag  radh,  Ciod  a  dh' 
itheas  sinn  ?  no  cibd  a  dh'  olas  sinn?  (Oir  iad 
so  uile  iarraidh  na  Cinnich  :)  Oir  tha  fios  aig 
bhur  n-Atliair  neamhaidh  gu  bheil  feum  agaibh 
air  na  nithaibh  so  uile.  Ach  iarraibh  air  tus 
rioghachd  Dhe  agus  'fhireantachd-san,  agus  cuir- 
ear  na  nithean  so  uile  ribh.  Uime  sin  na 
bitheadh  ro  churam  oirbh  mu  thimchioll  an  la 
mkireach  ;  oir  bithidh  a  Ian  de  churam  air  an  la 
maireach  mu  thimchioll  a  nithean  fein  :  is  le6r 
do  'n  la  'olc  fein."     Mata.  vi.  31-34. 

Bu  choir  dhuinn  beachd  s5nraichte  a  ghabhail 
air  an  eisimpleir  mhaisich  a  chuir  lob  fa  'r 
comhair.  Chaill  e  a  chuid,  agus  a  theaglach, 
agus  a  shlainte;  agus  ged  a  thainig  cairdean 
g  'a  amharc,  cha  d'  thug  iad  fhein  no  a  bhean 
comhfhurtachd  sam  bitha  dha.  Ach  thuairt  e  mu 
thimchioll  Dhe,  "  Ged  a  mharbhadh  e  mi  cuiridh 
mi  mo  dhochas  ann."  Thugamaid  fa  near  an 
c6mhnuidh  gu  bheil  ar  n-Athair  neamhaidh  a' 
riagladh,  agus  nach  leig  e  eis  sam  bith  do  ar 
'n  ionnsuidh  ach  eis  a  bhios  a  chum  ar  math  air 
a'  cheann  mu  dheireadh,  ma  bhios  sinn  umhaill 
dha.  An  am  na  trioblaid  cuireamaid  ar  n-earbsa 
ann.  Cha  'n  fhag  agus  cha  tr^ig  e  iadsan  a 
a  chuireas  an  d5chas  ann.  Os  ceann  gach  ni 
thugamaid  an  aire  nach  leig  sinn  le  smaointeanan 
dorcha,  teagmhach  greim  a  deanamh  air  ar 
n-inntinnean.  Leigemaid  leis  na  trioblaidean 
a  tha  gu  tighinn  gus  an  tig  iad,  agus  seasamaid 
gu  laidir  an  aghaidh  gach  ni  searbb,  agus  doirbh 
a  thig  'nar  rathad.  Rachamaid  air  ar  n-aghaidh 
a  chothachadh  an  t-saoghail  an  ainm  an 
Tighearna  gach  aon  la. 

I.  M'R. 


^UINE     GU     LEO  R." 


"Tha  uine  gu  le6r  againn,"  "Is  fhad  an  latha 
gu  h-oidhche,"  "  Is  iomadh  latha  'th'  aig  a'  bhas 
oirnn."  Is  trie  a  chuala  sinn  an  t-bg  agus  an 
sean  a'  labhairt  nam  briathran  so,  agus  briath- 
ran  eile  g\6  choltach  riutha.  Cha  'n  'eil  na 
briathran  so  idir  ann  an  co-ch6rdadh  ri  teagasg 
facail  Dhe.  Ann  am  facal  Dhe  tha  e  sgriobhta 
nach  'eil  an  am  beatha  an  duine  ach  sgaile  a 
theid  as  an  t-seallaidh  ann  an  tiotadh.  "  Tha 
mo  laithean,  mar  sgaile  ag  aomadh  sios ;  agus 
tha  mi  f^in  mar  flieurairseargadh." — Salra.  cii.  1 1. 

An  uair  a  their  muinntir  gu  bheil  uinegu  le6r 
aca,  feumaidh  nach  'eil  iad  a'  toirt  fa  near,  aon 
chuid  cho  gearr  's  a  tha  'n  uine,  no  cho  lionmhor 
'sa  tha  na  dleasdanais  a  th'  aca  ri'n  cur  an  gniomh. 
Nan  tugadh  iad  na  nithean  so  far  near  bhiodh  an 
uine  a  thug  Dia  dhaibh  ro  luachmhor  nan  seall- 
adh^     An  ni  a  tha  gann,  agus  a  tha  ro  fheumail 


dhuinn,  tha  sinn  gu  nadurra  measail  air.  Ciod, 
ma  ta,  is  feumaile  dhuinn  na  Wne  ?  Cha'n  'eit 
ni  ann  a's  feumaile,  agus  a's  luachmhoire  na 
uine,  ach  slainte  an  anama.  Ged  a  bheireadh 
Dia  'na  fhreasdal  air  falbh  ar  slainte  cuirp,  nam 
fagadh  e  uine  againn,  bhiomaid  ann  an  tomhas 
toilichte  a  chionn  gu  'm  biodh  cothrom  againn 
air  a  bheag  no  mhbr  de'  r  n-aire  a  shuidheachadh 
air  nithean  spioradail.  Nach  an  aig  a'  mh6r- 
shluagh  a  tha  'n  t-aobhar  taingealachd  gu  bheil 
Dia 'na  fhad-fhulangas,  agus  'na  mhbr-thrbcair,. 
a'  giulan  leb  o  latha  gu  latha,  agus  o  am  gu  am 
air  an  talamh  ?  Tha  Dia  a'  toirt  dhaibh  na- 
h-uine  cha  'n  ann  aon  chuid  a  chum  a  caitheamh 
gu  buileach  ann  an  seirbhis  an  uile,  no  le'n 
lamhan  paisgte  gun  char  'ga  dheanamh,  ach  a 
chum  a  bhith  deanamh  gach  ni  a  fhuair  an  lamb 
ri  deanamh. 

Faodar  dleasdanais  an  duine  ainmeachadh  fo- 
dha  cheann,  dleasdanais  spioradail,  agus  dleas- 
danais aimsireil.  Is  iad  na  dleasdanais  a 
bhuineas  do'n  bheatha  spioradail  a's  cudthrom- 
aiche,  agus  air  an  aobhar  sin  cha  choir  do  neach 
sam  bith  dearmad  a  deanamh  orra.  Tha  e 
cianail  ri  thoirt  fa  near  cho  aineolach  's  a  tha 
mbran  de'n  t-sluagh  air  facal  Dhe.  An  uair  a 
dh'  innsear  dhaibh  gu  bheil  iad  aineolach  their 
iad  nach  'eil  iiine  aca  gus  am  Biobull  a  leughadh. 
Cha  mhb  a  tha  iliine  aca,  tha  iad  fhein  ag  radh, 
gu  dhol  a  dh'  eisdeachd  an  fhacail  air  a  shear- 
monachadh,  no  gu  beachd-smuaineachadh  air 
an  fhacal,  no  idir  gus  a  dhol  a  dh'  urnuigh. 
Nach  'eil  so  iongantach  leinn  an  uair  a  chuimh- 
nicheas  sinn  gu'n  abair  an  earran  a's  mb  de  'n 
t-sluagh  so  ruinn  gu  bheil  uine  gu  lebr  aca  1' 
Their  iad  iomadh  uair  gu  bheil  iad  a'  faireachadh 
na  h-i\ine  cho  fada  's  gu  saoil  iad  gu  bheil 
seachduinn  anns  a'  h-uile  latha  !  Nan  robh  iad 
trang  aig  obair  sam  bith  rachadh  an  uine  seachad 
gun  fhios  dhaibh.  Nis,  ma  chreideas  gus  nach 
creid  iad  e,  cha  'n  e  cion  uine  a's  coireach  gu 
bheil  iad  aineolach,  ach  cion  toile.  Cha  'n  eagal' 
nach  fhaigh  iad  uine  gu  lebr  gus  an  ni  a  thig. 
ri'n  toil  a  dheanamh.  Mur  sgur  iad  de'n  doigh- 
a  th'  aca  mu'n  tig  crioch  air  an  iMne  a  dh'' 
brduich  Dia  dhaibh,  gheibhear  easbhuidheach. 
iad  aig  a'  bhreitheanas. 

Tha  cuid  (ann  a  tha  ciiramach  gu  lebr  mu 
ghnothuichean  na  beatha  so,  ged  nach  fhaigh. 
iad  uine  gu  ciiisean  na  beatha  spioradail  a  chur 
an  brdugh.  Tha  iad  gle  dheas  gu  bhith  gabhail 
an  leithsgeil  fhein.  Their  iad  gu  bheil  na 
dleasdanais  a  th'  aca  ri  'n  coimhlionadh  dhaibh. 
fein,  do'n  teaghlaichean,  agus  do'n  cairdean  cho 
honmhor,  's  nach  fhaigh  iad  uine  gu  aon- 
dleasdanas  spioradail  a  choimhlionadh.  "Am, 
fead  a  bha  d'  bglach  a'  bith-dheanamh  an  sO' 
agus  an  sud,  cha  ro  esan  ri  'fhaotainn." — i  Rigb. 


11 


20.  4°-  Cha  seas  an  leith-sgeul  so  idir  ann  an 
lathair  Dhe.  Is  gann  a  leigeas  an  naire  le 
iomadh  neach  iomradh  a  thoirt  air  am  fianuis 
dhaoine  ged  a  dh'  fheuchas  iad  ri  thoirt  gu  trie 
fa  chomhair  an  cogaisean  f^in.  Cha'n  faod  e 
bhith  nach  teid  aig  neach  air  leith-uair,  no  uair, 
as  a'  h-uile  ceithir  uairean  fichead  a  chaiteamh 
ann  an  leughadh,  agus  ann  an  urnuigh.  Ged  a 
b'  ann  as  an  cadal  a  bheireadh  iad  an  uine  bheag 
so  cha  chuireadh  e  mbr  eis  orra. 

Tha  mbran  ann  a  tha  caithearah  earrann 
mhor  de'n  iiine  gun  fhios  gun  fhaireachadh 
dhaibh  fein.  Cha  chaill  iad  lalha,  no  leith 
latha,  d'  an  deoin.  Ach  a  thaobh  uairean  agus 
mhionaidean  tha  iad  cho  beag  's  cho  suarach 
nan  sealladh  's  nach  fhiach  iad  a  bhith  gabhail 
suim  sam  bith  dhiubh.  Mar  is  trice  bidh  a' 
mhuinnlir  so  'nan  cabhaig  a  h-uile  latha  's  a' 
bhliadhna.  Cha  'n  'eii  uine  gu  lebr  aca  a  chionn 
gu  bheil  iad  a'  leigeil  leis  an  uine  ruith  ar  falbh 
gun  fheum.  Falbhaidh  coig  mionaidean  an 
drasta  's  coig  mionaidean  a  rithist,  gun  fheum. 
An  ceann  na  seachduinn  bidh  cunntas  uairean 
air  an  call  gun  fheum,  agus  an  ceann  na  bliadhna 
bidh  cunntas  mhbr  laithean  air  an  call  gun  fheum. 
Ma  chailleas  neach  aon  uair  a  h-uile  latha  fad 
fichead  bliadhn,  caillidh  e  cbrr  is  deich  miosan  1 
Bu  chbir  dhuinn  a  thuigsinn  uaith  so  gur  mbr 
a'  chuid  de'r  n-uine  a  tha  sinn  a'  call  gun  fheum 
o  bhliadhna  gu  bliadhna. 

Tha  e  air  a  dhearbhadh  dhuinn  gur  ann  air 
na  sgillinnean,  's  air  na  buinn-a-sia,  agus  air  na 
feairrdinnean  a  tha  a'  chuid  a's  mo  de  na 
marsandan  a'  fas  beairteach.  Thuirt  fear  roimhe, 
'•Their  thusa  an  aire  air  na  sgillinnean,  agus 
bheir  na  puinnd  Shasunnach  an  aire  orra  fhein." 
Faodaidh  sinn  a  radh  a  thaobh  uine  gur  i  a's 
luachmhoire  na  airgiod  agus  6r,  agus  faodaidh 
sin  mar  an  ceudna  a  rkdh.  Thoir  thusa  an  aire  air 
na  mionaidean,  agus  air  na  h-jtairean,  agus  bheir 
na  laithean  agus  na  seachduinean  an  aire  orra 
fhein. 

Tha  ar  n-uine  gearr,  agus  tha  i  'triall  gu  luath. 
Thugamaid  ar  ceart  aire  gu'n  dean  sinn  feum 
de'n  'am  a  ta  lathair,  air  tha  'n  t-am  ri  teachd 
neo-chinnteacb.  "  Feuch,  a  nis  an  t-am 
taitneach :  feuch  a  nis  latha  na  slainte." 

I.  M'R. 


MU  SHEINN  SHALM  AGUS  LAOIDHEAN 
SPIORADAIL  DO  DHIA. 


'S  e  seinn  moladh  do  Dhia  aon  de  na  gniomh- 
aibh  is  airde  de  aoradh  diadhaidh,  agus  thar 
chach  uile  is  cosmhuile  ri  aoradh  neimhe.  Tha'n 
gniomh  so  s51asach  agus  tarbhacb,  'nuair  tha 
daoine  ga  ghnathachadh  le  urram  naomha,  tlachd 
cridhe,  agus  aoibhneas  anama.    C6  nach  d-fhios- 


raich  an  cumhachd  a  tha  aig  ce61  naomh,  's  aig 
danaibh  spioradail  air  an  anam?  C6  nach  da 
mhothaich  an  dbigh  air  a'  bheil  an  tuigse  mar  sO' 
air  a  soilleireachadh?  Na  h-aigneadh  air  an 
dusgadh,  an  inntinn  air  a  h-ardachadh,  's  an 
cridhe  air  a  leaghadh.  'Nuair  tha'n  inntinn  air 
a  suidheachadh  gu  ceart  san  obair  so,  agus  ag- 
aomadh  leis  na  briathraibh,  agus  an  cridhe- 
'gabhail  air  aghaidh  maille  ris  an  dan,  le  fior 
dhiadhachd,  'an  sin  tha'n  tairbhe  a  tha  na  lorg 
air  a  thuigsinn ;  's  tha'n  t'anam  an  sin  air  a 
lionadh,  an  dara  cuid,  le  ard  urram  no  le  suaimh- 
neas  ciiiin;  tha  e  leaghadh  as,  ann  an  doimhne 
irisleachd,  fo  bhrbn  tiamhaidh,  no  lasadh  an 
aird  ann  an  gairdeachas  buadhar.  Ciod  an  ni, 
gu  dearbb,  is  cumhachdaiche  gus  an  t'anam 
ardachadh  os  cionn  an  t-saoghail  so,  fhasgnadh 
agus  a  ghlanadh  o  thruailli'eachd  agus  o  anabas 
na  beatha  so,  na  co'-aontachadh  le  each  a  cheile 
ann  an  aon  cho'-sheirm  cheblmohr,  le  fonn  crabh- 
ach,  agus  an  t  anam  ann  an  gleus  diadhaidh, 
gu  moladh  Dhe  a  sheinn.  A'  bheil  aon  ni  eile 
a  tha  gar  n-ardachadh  ni's  dluithe  do  neamh, 
'gar  n-uimeachadh  arson  cuideachd  nam  flaitheas, 
na  bhi  cleachda  sa  bheatha  so  an  ni  sin  o  bheil 
iadsan  a'  tarruing  na  h-urrad  shblais.  'Se  righ 
Daibhidh  bha  'gabhail  dachd  san  obair  so;  's  trio 
esan  a'  glaodhaich  r'a  anam  moladh  a  sheinn  do 
Dhia.  "Tha  mo  chridh,"  deir  esan  "ann  am 
fonn,  seinnich  mi  oran  nuadh  do  Dhia," 

Mosgail  mo  gl6ir,  's  a  shiltair  f6s, 

a  chlarsach  diiisg-  an  iird  : 
Air  maduinn  mosglam  fein  gu  moch, 

is  seinneam  ce61  gu  li-ird. 

Dhia  measg  a  phobuill  molam  thu; 

dhuit  seinneam  measg  an  t-sluaigh: 
Olr  t'fhirinn  is  do  thr5cair  mhor, 

gu  n^amh  nan  neul  chaidh  suas. 

"Tha  na  Sailm,"  a  deir  Raibeard  Kirke. 
"  taitneach,  tarbhach  ;  's  beag  nach  Qosmhuil  ri 
fiaitheas  air  thalamh  Ian  de  ainglibh,  Cill  fhonn- 
mhor  le  cebl  naomha.  Mar  abhall-ghort  Edein, 
Ian  de  chrannaibh  brigh'or  na  beatha,  agus  de 
luidhibh  ioc-shlainteach,  amhiuidh  an  leabhar 
Sailm  Dhaibhidh,  a  ta  na  leigheas  air  uile  an- 
shocair  an  anama.  Tha'n  saoghal  agus  gach 
beo  chreutair  a  ta  ann,  na  chlarsuich;  an  duine, 
'se  is  Clarsair  agus  duanaire,  chum  mnladh  do'n 
mhbr-Dhia  mhiorbhuileach  a  sheinn;  agus  tha 
Daibhidh  do  ghnk  mar  fhear  de'n  chuideachd  a 
bhios  mar  so  a'  caoin-chainnt  gu  ceolmhor  m'an 
ard-Righ." — Ma  rinn  Daidhidh  naomha  fo  'n 
t-Seann-tiomnadh  urrad  ghairdeachas  ann  an 
reachdaibh  agus  am  maitheas  De,  nach  math  a 
bhuineas  e  dhuinne  aoibhneas  a  dheanamh  fo'n 
Tiomna-nuadh,  aig  a  bheil  a  nis  a  liuthad  tais- 
bein  glbrmhor  mu  Chriosd  agus  a  shochairean, 
agus  na  beannachdan  sin  a  ta  sruthadh  uaith  d'ar; 


12 


n-ionnsuidh.  Bha  faidhean  agus  naoimh  an 
t-Seann-tiomnaidh  ag  geur-rannsachadh  gu  dich- 
eallach  le  togradh,  agus  b'fhada  leo  a  bha  iad 
gun  na  nithe  sin  fhaicinn,  a  tha  sinn  a  nis  a' 
faicinn.  Cunnaic  iadsan  na  nithe  sin  fad  uatha, 
agus  trid  sgMle  faidheadoireachd  agus  cosamh- 
lachda  dorcha  a  tha  sinne  nis  a  faicinn  neo- 
chbmhdaichte  agus  lan-fhoillsichte;  air  a  shon 
so  tha  sinn  gu  brath  ceanguilte  gu  buidheachas 
a  thoirt,  agus  moladh  Dhe  a  sheinn.  A  nis  o'n 
thugadh  dhuinn  tomhas  co  ro-mh6r  de  eolas,  agus 
a  liuthad  taisbein  soilleir  mu  Chriosd,  agus  an 
t-saorsa  choisinn  e  dhuinn;  gu  deimhin  cha'n'eil 
e  ni  's  faide  mar  fhiachaibh  oirn,  na  beannachda 
sinn  a  sheinn  a  mhain  do  reir  co'-samhlachd 
dhoilleir  faidheadoireachd,  am  feadh  's  a  tha  iad 
againn  ann  an  cainnt  shoilleir,  ann  an  Ian  fhrith- 
ealadh  an  t-soisgeil.  A  ta  e  cosmhuil  gun  robh 
'n  t-abstol  Pol  san  inntinn  so,  'nuair  a  dh'  aithn 
«  dhuinn,  cha'n  e  mhain  feum  a  dheanamh  de 
shalmaibh.  ach  mar  an  ceudna  de  laoidhibli  agus 
de  dhanaibh  spioradail,  chum 's  mar  sin  gum 
faodamaid  seinn  ni's  treibh-dhiriche,  agus  ni's 
iomlaine,  mu  ghradh,  fulangas,  agus  toilltinnis 
Cliriosd. 

Tha  seinn  Shahn  agns  Laoidhean  air  a  bhean- 
nachadli  le  Dia  mar  mheadhon  chum  ceangal, 
diisgadh,  leaghadh,  agus  ath-nuadhachadh  cridh- 
eachan  agus  beatha  dhroch  dhaoine  feolmhor. 
Tha  moran  leis  an  6rdugh  so  air  an  tarruing  gu 
feitheamh  air  aoradh  diadhuidh,  agus  chum 
smaointeach  air  saoghal  eile,  a  bha  caoin-shuar- 
ach  mu  leithid  so  de  smaointean,  agus  de 
ghniomharra,  mar  labhair  Diadhair  araidh  ann 
an  laoidh  naomha, 

An  t-6g  's  an  t-aosmhor,  g-'ieibh  iad  math  o  rann, 
Nach  cuimhnich  searmoin,  ach  mar  osag  fhann; 
'Sa  smaointidh  feohiihor  iompachadh  gu  luath, 
Chum  iobairt  mholaidh  thoirt  do  Dhia  nan  sluagh. 

Seadh,  's  ioma  droch  dhuine  a  mhothaich  anam 
air  a  bheothachadh,  air  a  dhiisgadh,  agus  air  a 
neartachadh  ann  an  diadhachd  le  bhi  seinn 
laoidhean,  agus  dana  spioradail;  mhothaich  iad 
an  cridheachan  a'  leaghadh  arson  peacaidh,  agus 
an  cridhe  a'  fas  blath  le  gradh  d'an  Slanuighear, 
an  uair  a  sheinneas  iad  mu  fhulangas  agus  mu 
bhas  air  an  son,  'nuair  a  ni  iad  sin  nan  aonar  no 
'an  cuideachd  dhaoin  eile. 

Am  aonar  seinneam  anns  an  fhisach  chian, 
Far  nach  robh  guth,  na  glaodh,  na  aoradh  riamh, 
'San  eireachd  seinneam  cliu  le  laoidhibh  binn, 
Mar  nuadh  Jerusalem  biodh  lar  gach  glinn. 

Is  soilleir  ri  fhaicinn  gu  bheil  an  dleasnas  agus 
an  gniomh  so  ann  bhi  seinn  do'n  Tighearna, 
cha'n  e  mhain  air  orducha  ach  mar  an  ceudna 
ro-chomharaichte  air  a  bheannachadh  le  Dia,  bu 
ch6ir  dhuinn  uime  sin  misneach  ni's  m6  a  ghabh- 
ail  anns  a!  ghniomh  so,  ad  aite  bhi  fo  naire 


daoin'  eile  gar  cluinntinn.  Sheinn  P51  agus 
Silas  gu  h-ard  mu  mheadhon  oidhche  an  uair 
a  bha  iad  ann  am  priosun,  agus  'an  geimhlibh. 
Seadh,  co  ^rd  's  gun  robh  a  chuid  eile  de  na 
priosunaich  air  an  diisgadh  leis  an  fhuaim;  agus 
chuala  Dia  an  luathghair  mar  thaisbean  e  na 
thrbcair  dhoibhsan  agus  do  na  bha  maille  riu. 
'Slionmhor  iadsan  a  sheinneis  orain  diomhain, 
salach  agus  mi-naomha,  'sa  tha  coma  c5  chluinn- 
eas  iad,  agus  an  nar  leinne  moladh  a  sheinn  d'ar 
Fear-saoraidh  gradhach  ?  Tha  e  air  a  radh,  gun 
seinn  na  naoimh  le  luathghair  air  an  leabuidh 
do  Dhia, 

Biodh  air  na  daoinibh  naomh  an  sin 

iir-ghairdeachas  'an  gloir: 
Is  air  an  leabuidh  seinnidh  iad 

do  Dhia  le  h-iolaich  mhoir. 

Nach  truagh  gum  biodh  e  feumail  aon  f  hacal  a 
labhairt  chum  daoin'  a  bhrosnachadh  gu  tlachd 
a  ghabhail  san  obair  so.  Gidheadh  cia  liuthadh 
h-aon  a  chitear  air  latha  sabaid  'an  tigh  Dhe,  tha 
dearmadach  air  a  chleachda  so,  nach  tog  an  guth, 
's  nach  fosgail  am  beul,  gu  moladh  Dhe  a  sheinn, 
a  nochda  leis  an  t-suil  luainich,  's  an  aghaidh 
neo-shuidhichte  nach  'eil  an  cridhe  sa  ghniomh, 
nach  'eil  iad  a'  faotainn  tlachd  sa  cho'-sheirm 
naomha.  Agus  cia  liuthadh  fardoch  'sa  bheil 
luchd-aidmheil  a  Chreidimh  Chriosduidh  as 
nach  d-eirich  riamh  fuaim  nan  salm  na  fonn 
spioradail, 

Nior  leige  Dia,  ars  am  fior  Chriosduidh,  gur 
ann  mar  so  a  thachras  dhorahsa, 

Oir,  am  fad  is  beo  mi  molaidh  mi, 

drd  righ  mo  bheatha  's  m'iiiil; 
'S  an  di^igh  mo  bhais,  an  saoghal  c^in 

cuiridh  mi'n  ci\\\  a  chliu. 

Tra  thr^igeas  neamh,  is  muir,  is  tlr, 

's  thig  crioch  air  la  is  oidhch', 
Mo  chridhe  taingeil  seinnidh  cliu 

do  Dhia  nan  dill  a  chaoidh. 

Feadh  linnte  bith-bhuantachd  gu  leir 

togaidh  mi  6ran  binn  ; 
Ach  O  !  's  ro-ghoirid  bith-bhuantachd, 

Gu  moladh  Dhe  a  sheinn. 


Is  minic  a  bha  coltas  an  fhior  dhuine  chbir 
air  an  dearg-shlaoightire.  Cha  'n  ann  ri  'm 
faicinn  is  coir  daoine  a  ghabhail  idir. 

Mar  is  m6  a  bhios  de  mheas  aig  duine  air 
fhein,  's  ann  is  lugha  bhios  de  mheas  aige  air 
daoine  eile. 

Am  fear  aig  am  bi  meas  mbr  air  fhein  cha 
bhi  e  toilichte  mur  bi  daoine  'g  a  shior  mholadh. 
Ach  cha  'n  'eil  rud  a's  lugha  air  na  bhith  a' 
cluinntinn  a  bhith  moladh  dhoine  eile. 

Bidh  fuath  aig  daoine  gu  nadurra  do  'n 
mhuinntir  air  an  dean  iad  cron ;  ach  bidh 
tlachd  aca  do  'n  mhuinntir  do'n  dean  iad  math. 


Air.  4. 


K^siill^^^w 

^^u 

H 

1907. 


AN   T-URR.   IAIN    MAC  RUAIRIDH. 


Tha  sinn  cinnteach  gum  bi  ar  luchd-Ieughaidh 
anabarrach  duilich  a  chluinntinn,  gun  do  leig 
ministear  Shnisoirt  dheth  a  bhi  'na  fhear-deas- 
achaidh  air  duilleagan  Gaidhlig  an  leabhair  so. 
'S  tha  sinn  cinnteach  gum  bi  iad  ni's  duiiiche 
'chluinntinn,  gur  h-e  's  reusan  dha  sin,  gu  bheil 
e  ann  an  droch  shlainte.  Aig  coinneamh  a 
bh'ann  an  Duneideann,  aig  a'  Chomunn  a  tha 
'sealltuinn  as  deigh  Beatha  agus  Obair  na 
h-Eaglais,  air  a'  mhios  mu  dheireadh,  thugadh 
iomradh  air  a'  ghnothuch,  's  cha  robh  duine  a 
bha  lathair  nach  robh  de'n  aon  inntinn  gun  do 
chuir  Mr.  Mac  Ruairidh  comaine  mhor  air  an 
Eaglais  leis  an  obair  a  bha  e  'deanadh  o 
bhhadhna  gu  bliadhna  anns  an  leabhar  so. 
Thugadh  raoran  taing  dha,  's  bha  na  h-uile  'an 
dochas  nach  b'  fhada  gus  an  tigeadh  e  air 
aghaidh  'na  shlainte. 

Tha  fhios  againn  gu  bheil  an  guidhe  ceudna 
ann  an  cridheachan  ar  luchd  leughaidh.  'S 
iomadh  latha  o  chuir  Mu.  Mac  Ruairidh  agus 
iad  fhein  eolas  air  a  cheile,  's  mar  a  b'  fhearr  a 
b'  aithne  dhaibh  e,  's  ann  a  bu  mhotha  am  meas 
air.  Ma's  maith  ar  cuimhne,  tha  fichead 
bliadhna  o  ghabh  e  os  laimh  a  bhi  'na  fhear- 
deasachaidh  air  na  duilleagan  Gaidhlig  so,  's  fad 
na  h-uine  sin,  cha  chuala  sinn  riamh  gun  do 
thoill  e  dha  fhein  diumb  duine  sam  bith.  'S 
iomadh  caraid  a  choisinn  a  pheann  dha  air  feadh 
na  Gaidheakachd  uile.  Gad  a  bha  e  'faotainn 
beagan  cuideachaidh  an  drasd  'sa  rithist,  'se 
fhein  a  b'  abhaist  a'  chuid  'bu  mhotha  de'n 
Ghaidhlig  anns  an  leabhar  so  a  sgriobhadh. 
Ach  cha  bu  chall  sin,  oir  bha  peann  fir-sgriobh- 
aidh  dheis  aige,  's  bha  fhios  aig  ar  luchd 
leughaidh  gu  faodadh  iad  daonnan  fiughair  a  bhi 
orra  ri  teagasg  fallan  bhuaith,  ann  an  rogha  na 
Gaidhlig. 

Tha  sinn  'an  dochas  nach  fhada  gus  am  bi  e 
ni's  fhearr  'na  shlainte. 


AIRSON    LATHA   NA   TRIOBLAID. 

An  ti  a's  tonm/im'nn  his  an  Tighearn^  smackd- 
aichidh  se  e.- — Jif£B  xiV,  6. 


NACM-'mor  a''  chomhfhurtachd  a  th'anns  an 
fhacal  sin  dhaibhsan  a  tha  fulang  o  laimh  an 
Tighearna  !  'S  iomadh  uair  a  tha  daoine  a'  call 
am  misnich  'nuair  a  thig  trioblaid  nan  caramh.- 
Tha  iad  deas  gu  bhi  saoilsinn  gun  do  threig  Dia 


iad,  's  gu  bheil  'aghaidh  air  a  tionndadh  air  falbh 
uapi  ann  am  feirg.  Ach  tha  'n  t  Abstol  a  cur 
solus  eile  air  a'  chuis — An  ti  a's  iotiinhuinn  leis 
an  Tigkearn,  smachdaichidh  se  e.  Mar  gun 
abradh  e — Cha'n  ann  a  chionn  gu  bheil  Dia  coma 
air  'ur  son  a  tha  'lamh  air  a  leigeadh  oirbh,  ach  a 
chionn  's  gur  h-ionmhtiinn  leis  sibh.  Ma  ghiul- 
aineas  sibh  smachdachadh,  tha  Dia  a'  buntainn 
ribh  mar  ri  cloinn  :  oir  co  am  mac  nach  smachd- 
aich  an  t-Athair?  Ach  ma  tha  sibh  as  eugmhais 
smachdachaidh,  an  sin  is  clann  diolain  sibh  agus 
cha  chlann  dligheach.  An  aite  smachdachadh 
a  bhi  'na  chomharra  air  fearg  Dhe,  's  ann  a  tha 
e  'na  chomharra  air  a  ghradh.  An  aite  e  'bhi 
na  aobhar  eagail  do  shluagh  an  Tighearn,  's 
ann  a  bu  choir  e  'bhi  dhaibh  na  aobhar  misnich. 
Cha  tug  Dia  thairis  iad  fhathast,  's  tha  e  bunt- 
ainn riu  mar  ri  cloinn. 

I.  Cha  stad  deuchainnean  gus  nach  'eil  feum 
orra, — -s  e  sin  an  reusan  nach  'eil  iad  a  stad  idir. 

Tha  fulangas  a'  teagasg  dhuinn  iomadh  ni 
nach  tuigeamaid  air  dhoigh  eile.  Tha  iomadh 
facal  aig  Dia  ri  labhairt  ruinn  nach  tuig  iadsan 
do  nach  aithne  brbn.  Tha  br6n  'na  iuchair  a 
dh'  fhosglas  an  cridhe.  'Nuair  a  chaidh  Henry 
Drumiiond  dhachaidh  gu  bhi  dluth  d'a  athair, 
's  e  air  leabaidh  a  bhais,  sgriobh  e  gu  caraid — 
Tha  trioblaid  'na  ni  iir  dhomhsa  's  ilia  tni  'n 
drasd  a  foghlum  io7nadh  ni  air  nach  robh  fhios 
agam,  's  iomadh  ni  a  chuala  mi  ach  nach  robh  mi 
riamh  a'  creidsinn.  Nach  iomadh  a  h-aon  nach 
tug  riamh  aire  gu  robh  Dia  a  labhairt  riu,  gus  an 
do  labhair  e  riu  le  guth  smachdachaidh?  Fhad 
's  a  bha  e  'labhairt  riu  ann  an  guth  iosal,  reidb, 
cha  chluinneadh  iad  e,  's  cha  tugadh  iad  fainear. 
Ach  'nuair  a  labhair  e  riu  le  guth  ard,  thug  iad 
eisdeachd.  'Se  th'ann  an  smachdachadh — Dia  a 
labhairt  ruirtn  le  guth  ard.  Cha'n  'eil  Dia  uair 
sam  bith  cho  dluth  dhuinn  'sa  tha  e  ann  an  am 
na  trioblaid.  Aig  a  leithid  sin  de  dh'am,  tha  -e 
da  rireadh  'na  sheasanih  aig  'ur  dorus  agus  a' 
bualadh.  Tha  e  'g  radh — An  diugh  ma  chluinn- 
eas  sibh  mo  ghuth  na  cruadhaichibh  'ur  cridhe. 
Nam  bitheamaid  a'  sealltuinn  air  a'  chuis  anns 
an  doigh  so,  chuireadh  e  solas  dhuinn  air  iom- 
adh freasdal  'nur  beatha  fhein  a  tha  'n  drasd 
dorcha.  'S  iomadh  uair  a  tha  sluagh  an  Tigh- 
earna air  an  smachdachadh  cho  trom  's  nach. 
urrainn  iad  gun  glaodhach  a  mach — Carson;,a; 
rinn  Thu  so.  Ach  ann  an  guth  a  tha  Ian  ie 
ghradli  's  de  thruacantachd  tha  Dia  'gam  freag- 
airt — A  chionn  's  gur  h-ioninhuinn  learn  sibh. 
Bha  e  duilich  do  dhaoine  anns  an  t-seanri 
t-saoghal  sin   a  chreidsinn :    tha    e    duilich    do 


14 


dhaoine  a  chreidsinn  gus  an  latha  'n  diugh.  'Se 
their  an  saoghal:— Feunnaidh  gu  bheil  an  duine 
ud  olc,  ma  bheil  e  fulang  cho  mor.  Ach  'se  a 
bu  choir  dhuinn  a  radh — Feumaidh  gu  bheil 
gealltanas  air  chor-eigin  'na  bheatha,  ma  bheil 
Dia  'ga  smachdachadh.  'Se  their  an  saoghal: — 
Is  beannaichte  iadsan  air  nach  tig  carraid.  Ach 
'se  tha  Criosd  ag  radh — Is  beannaichte  iadsan  a 
tha  ri  bron.  Cha'n  e  'chlach  a  thilgeas  an  clach- 
air  ann  an  teis-meadhoin  a'  bhalla  a  gheibh 
buillean  an  uird,  ach  a'  chlach  do'n  dean  e 
clach-chinn  na  h-oisinn.  Air  reir  an  luachmhoir- 
eachd  's  ann  a  ghabhar  dragh  riutha.  'Nuair  a 
tha  thusa  air  do  smachdachadh,  abair  riut  fhein, 
's  biodh  e  dhuit  'na  mhisneach  'san  dorchadas — 
Tha  Dia  a!  gabhail  dragh  rinm.  'S  docha  gun 
cunntadh  Moab  e  fhein  sona,  's  gum  biodh 
farmad  aig  a  choimhearsnaich  ris,  a  chionn  's  gun 
robh  e  gun  trioblaid,  's  gun  do  thuit  a  chrann- 
chuir  ann  an  ionadan  aoibhneach  ;  ach  nach 
ann  mu  thimchioll-san  a  tha  leremiah  ag  radh 
— Bha  suaimhneas  aig  Moab  o  'oige,  agus  shoc- 
ruich  e  air  a  dheasgainibh,  agus  cha  do  tharr- 
uingeadh  a  mach  o  shoitheach  gu  soitheach  e, 
ni  mo  dh'imich  e  ann  an  braighdeanas  ;  air  an 
aobhar  sin  mhair  a  bhlas  ann,  agus  cha  d'atharr- 
aicheadh  'fhaile.  Tha  an  Salmadair  ag  iomradh 
air  an  fhirinn  cheudna  'nuair  a  tha  e  'g  radh: — 

Is  air  an  aobhar  fos  nach  'eil 
Caochladh  air^ith  'nan  staid, 
Eagal  an  Tighearna  uime  sin 
Do  thilg  iad  dhiubh  air  fad. 

Nach  faod  e  'bhi  gur  h-e  'n  caoimhneas  'bu 
mhotha  a  b'  urrainn  Dia  a  nochdadh  dhuinn — 
^ar  smachdachadh  !  'S  iomadh  uair  a  tha  ain- 
glean  neamh  a'  tighinn  gu  dorsan  dhaoine  ann 
an  cruth  eagalach. 

II.  Tha  trioblaid  'na  meadhon  air  daoine  a 
dhearbhadh.  'S  iomadh  duine  do  nach  b'aithne 
e  fhein  gus  an  d'  thainig  smachdachadh  'na 
charamh.  Fhad  's  a  tha  cuisean  a'  dol  gu  maith 
leinn,  'sa  tha  ar  laithean  a  ruith  gu  seimh,  ciuin, 
faodaidh  sinn  a  bhi  gun  moran  eolais  air  ar 
cridheachan  fhein,  Saoilidh  sinn  gu  bheil  creid- 
imh  againn,  'nuair  is  e  'n  fhirinn,  ma  dh'  fhaoite, 
nach  'eil  creidimh  againn  idir.  Ni  an  creidimh 
a  fhuair  sinn  o  ar  n-athraichean  feum  dhuinn 
anns  an  latha  mhaith,  ach  'se  'n  creidimh  a 
fhuair  sinn  dhuinn  fhein,  a  ni  feum  ann  an  latha 
na  stoirme.  'Se  'n  creidimh  is  fhiach  greim 
fhaotainn  air — an  creidimh  sin  a  chumas  suas 
sinn  ann  an  am  na  h  eiginn.  'Nuair  a  bhios  an 
cudthrom  air  ar  cridheachan,  cha'n  e  gu  de  a 
thuirt  Dia  ri  daoine  eile— seadh  eadhoin  ri 
Maois,  no  ri  Eoin,  no  ri  Pol, — a  bheir  dhuinn 
itiisneach  aigus  comhfhurtachd,  ach  gu  de  a  thuirt 
Dia  rui7in  fhein.  Ann  an  latha  na  trioblaid  feum- 
aidh gach  cridhe  taichdeachadh  air  fhein,  's  mar 


a  bheil  dearbhachd  aige  ann  fhein  air  gradh  an 
Tighearn,  cha'n  fhoghainn  dha  gu  de  'their 
daoine  eile,  no  gu  de  a  rinn  Dia  air  an  son. 
Tha  smachdachadh,  mata,  'na  mheadhon  air  a 
bhi  'toirt  dhaoine  air  falbh  o  chreidimh  na 
cluaise,  gu  bhi  'tighinn  ann  an  dluths  ri  Dia  air 
an  son  fhein.  'Se  latha  mor  e  ann  am  beatha 
duine  'nuair  is  urrainn  e  'radh — Le  eisdeachd  na 
cluaise  chuala  tni  thu,  ach  a  nis  chunnaic  mo 
shiiii  thu.  Ma's  e  smachdachadh  is  meadhon 
air  an  t-sealladh  sin  a  thoirt  dhuinn — nach  e  a 
th'anns  an  smachdachadh  sin  aingeal  o  Dhia. 

Cumamaid  mata  greim  air  an  fhirinn   so,   's 
biodh  i  dhuinn  'na  comhfhurtachd. 

Ur-mhisneach  glacaibh,  'naoimh  gun  treoir, 
Na  neoil  is  duirch'  tha  Ikn 
De  throcair  chaoimh,  is  doirtear  leo 
Oirbh  maitheas  mor  gun  dkil. 

Na  measaibh  Dia  tre  shealladh  mhain, 
Na  'ghras  cuiribh  'ur  dtiil  ; 
Air  cul  an  fhreasdail  dhuirch'  tha  grkdh 
A'  lasadh  ghnath  na  'ghnuis. 

A  riiintean  abaicbidh  gu  luath, 

'S  iad  fosgladh  suas  gun  tkmh  ; 

'S  ged  robh  a'  ghucag  searbh  's  an  uair 

Bidh  mils'  is  buaidh  's  a'  bhlath. 

'S  fhearr  an  cridhe  a  bhi  air  a  bhristeadh,  seach 
e  'bhilh  cho  cruaidh  ri  creig.  'S  fhearr  buillean 
an  uird  fhulang,  seach  a  bhi  gun  snaitheadh.  Co 
iad  sin  a  ta  air  an  sgeadachadh  le  trusganaibh 
fada  geala,  agus  cia  as  a  thainig  iad  ?  Is  iad  so 
iadsan  a  thainig  a  h-amhghar  miioir.  Uime  sin 
cha'n  'eil  sinn  a'  fannachadh,  arsa  Pol,  oir  a  ta 
ar  n-amhghar  eutrom,  nach  'eil  ach  re  sealain,  ag 
oibreachadh  dhuinne  tromchudthrom  gloire  a  ta 
ni's  ro  anabharraiche  agus  sior-mhaireannach. 
Cha  'n  'eil  ar  trioblaidean  a  tighinn  h-ugainn  gun 
fhios  do  Dhia.  Cha  tigeadh  iad  idir  mar  biodh 
feum  orra.  Cha'n  'eil  e  'gar  smachdachadh  gun 
aobhar.  Tha  e  'ga  dheanadh  a  chum  ar  leas, 
ionnus  gu'm  bitheamaid  'nar  luchd  comhpairt 
d'a  naomhachd.  'Nuair  thig  an  dorchadas, 
mata,  gleidheamaid  ar  misneach  's  ar  n  earbs'  an 
Dia,  's  biodh  am  facal  sin  dhuinn  na  lorg  's  na 
thaic — An  ti  ds  ionmhuinn  leis  an  Tighearna, 
smachdaichidh  se  e. 


AN   TIR    IMMANUEL  SHU  AS. 


O  AM  gu  am,  air  reir  mar  a  gheibh  sin  cothrom, 
tha  sinn  'an  duil  a  bhi  'toirt  iomradh  air  cuid  de 
laoidhean  na  h-Eaglais,  's  gu  sonruichte  air  na 
daoine  a  sgriobh  iad,  's  air  an  doigh  anns  an 
deachaidh  an  sgriobhadh.  Anns  an  aireamh  so 
tha  sinn  a'  toiseachadh  leis  an  laoidh  sin  a  th'air 
a  h-ainmeachadh  air  Samuel  Rutherford,  ged 


15 


mach  esan  a  sgriobh  i  iiiir.  Tha  i  air  a  tionn- 
■dadh  gu  Gaidhlig  le  Mr.  Iain  Mac  Ille-bhain. 

Tha  sruth  mo  r^  a'  traghadh, 
Feuch,  bristeadh-faire  neimh  ! 
A'  mhadainn  a  bha  'm  iantas 
Mo  cheitein  grianach,  seimh  ! 
Dubh,  dovcha,  ged  bha'n  oidhche, 
Tha'n  soillse  'teachd  na  'luaths, 
'S  tha  gloir  a'  tamh  gu  sionuidh 
An  tir  Immanuel  shuas. 

'Se  Criosd  am  fuaran  saibhir, 
Sruth  aoibheil,  pailt,  a'  ghraidh  ; 
Lan-beoil  an  t-saogh'l  cia  suarach 
Seach  cuantan  Tir  an  Aigh  ! 
Mar  mhuir  gun  traigh,  gun  traoghadh, 
Tha  'throcair  chaomh  's  a  thruas, 
'S  tha  gloir  a'  tamh  gu  siorruidh 
An  tir  Immanuel  shuas. 

Bha  smachd  is  trocair  dualte, 
Trouiih  fhad  mo  chuairt  's  an  t-saogh'l, 
Is  dealt  mo  bhroin  's  mo  thruaighe 
A'  lasadh  suas  le  'ghaol  ; 
Molaim  an  lamh  'rinn  stiuradh, 
'S  an  cridh'  a  thiir  's  a  ghluais, 
Trath  bhios  mi  "m  chathair-rioghail, 
An  tir  Immanuel  shuas. 

'S  le  Fear-mo-ghaoil  gu  saor  mi, 
'S  leamsa  Fear-mo-ghaoil  ! 
Bheir  e  am  bochd  's  an  diblidh 
D"  a  litchairt  fiona  's  faoil'  ; 
'S  i  airidheachd  mo  Shlkn'gheir 
M'aon  steidh  is  feth  mo  luaidh  s', 
Seadh  anns  a'  ghloir  'bhios  siorruidh 
An  tir  Immanuel  shuas. 

Bu  chruaidh  mo  ghleachd  gu  flaitheas, 
Troimh  ghaillinn  's  stiith  nan  diil  ; 
'S  a  nis  mar  astrach  saraicht', 
'S  a  thaic  air  laimh  'fhir-iuil, 
'K  uair  tha  mo  la  air  crionadh 
'S  am  feasgar  'ciaradh  nuas, 
Caomh-fhailt'  do'n  ghloir  'bhios  siorruidh 
An  tir  Immanuel  shuas. 

Rugadh  Samuel  Rutherford  ann  an  1600,  's 
cliaochail  e  ann  an  1661.  Anns  na  bliadh- 
nachan  sin  bha  Eaglais  na  h-Alba  ann  an  staid 
thruagh.  Ged  a  bha  i  air  a  h-ath-leasachadh 
ann  an  1560,  cha  robh  sith  aice, 's  cha  robh  i 
air  a  suidheachadh  gu  bunaiteach  anns  an  tir  gu 
cionn  iomadh  bliadhna  na  dheigh  sin.  Cha 
robh  'n  Crim  's  an  Eaglais  a'  cordadh  mu'n 
doigh  riaghlaidh  a  bu  choir  a  bhi  anns  an 
Eaglais.  Bha  cuid  airson  Riaghladh  Easbuigeach, 
's  cuid  eile  airson  Riaghladh  Cleireach,  's  bha  'n 
Eaglais  air  a  riasladh  le  connspoid  fad  ioma 
latha.  Sheas  Rutherford  gu  daingean  air 
taobh  na  Cieire  's  a'  Chumhnanta.  Le  'pheann 
's  le  'fhacal  rinn  e  seirbhis  mhor  air  taobh  a 
dhuthcha  's  na  h-eaglais.  Dh'  fhaodadh  e  bhi 
air  a  radh  mu  thiomchioll — Air  sgath  Shioin  cha 
bhi  a'ni  thosd,  agus  air  sgath    lerusaleim   cha 


ghabh  mi  fois  ;  gus  am  bris  a  fireantachd  a 
mach  mar  sholus  dealrach,  agus  a  slainte  mar 
leus  lasrach. 

Ann  an  1627  shuidhicheadh  a  'na  mhinisteir 
ann  an  sgire  Anwoth.  Bha  e  dichiollach  agus 
eudmhor  'na  obair.  B'abhaist  dha  e  eiridh  aig 
tri  uairean  's  a  mhaduinn  gu'  leabhraichean. 
Thuirt  h-aon  d'a  chomhthional  fhein  uime — Tha 
e  'g  urnuigh  gun  stad,  a'  leugliadh  gun  sfad,  a' 
searmonachadh  gun  stad,  a'  sgriobhadh  gun  stad. 
Da  bhliadhna  'n  deigh  dha  dol  do  dh'  Anwoth, 
sgriobh  e  gucaraid — "Cha'n'eil  mi'faicinn  toradh 
mo  shaothair.  Bhithinn  toilichte  n'am  biodh 
aon  anam  air  a  thoirt  dhomh  gu  bhi  'na  chriin 
aoibhneis  ann  an  latha  Chriosd."  Fhuair  e  iarr- 
tus  a  chridhe  ann  an  uine  ghoirid,  's  cha'n  e  aon 
duine,  ach  ceudan,  aig  an  robh  aobhar  taingeal- 
eachd  gun  cuala  iad  Rutherford.  Bha 
'mhinistrealachd  air  a  beannachadh  gu  mor  le 
Dia,  cha  'n  ann  a  mhain  d'a  sgireachd  fhein,  ach 
do  dh'  Albainn  gu  leir.  "  Cha  d'eisd  mi  ri  sear- 
monaiche  riamh,"  arsa  duine  a  chuala  e,  "a 
dheanadh  Criosd  cho  maiseach  's  cho  ionmhiann- 
aichte."  Cha  b'aithne  do  Rutherford  cuspair 
eile  ach  sin — Criosd.  'S  esan  a  dh'  fhaodadh  a 
radh  mar  a  thuirt  Pol — "Nar  leigeadh  Dia  gu 
deanainn-sa  uaill  ach  ann  an  crann-ceusaidh  ar 
Tighearn  losa  Criosd."  Ann  an  1636  thugadh 
bhuaith  an  sgireachd,  's  thugadh  bhuaith  mar  an 
ceudna  cead  searmonachaidh.  'Se  'bu  reusan 
dha  sin,  gun  d'  thug  e  oilbheum  do'n  Chrun  le 
cuid  d'a  sgriobhaidhean.  Dhiult  e  gnothuch  a 
bhi  aige  ri  gnaths  'us  modhannan  nan  Easbuig,  's 
a  chionn  gun  robh  e  cho  laidir  'na  bheachdan, 
agus  car  neo-mheassara  'na  chainnt,  agus  a 
thuilleadh  air  a  sin,  a  toirt  diilain  do'n  lagh, 
chuireadh  e  do  dh'  Obaireadhain — 'gu  bhi  air 
a  chumail  's  a  bhaile  sin  fhad  'sa  thoilicheas  an 
righ.'  Cha  do  chuireadh  ann  am  priosan  e, 
ach  cha  robh  math  dha  am  baile  'fhagail. 
"Gidheadh,"  ars'  e  fhein,  "cha  do  threig  mo 
Mhaighstir  mi,  fhuair  mi  an  tuilleadh  eolais  air 
gradh  Chriosd  le  ochd  miosan  deug  priosain  ann 
an  Obaireadhain  na  fhuair  mi  le  naoi  bliadhna 
searmonachaidh."  Ach  bha  'chridhe  anns  a' 
chiibaid,  's  nuair  a  thigeadh  latha  na  Sabaid  'sa 
chuimhnicheadh  e  ajr  na  h-uairean  sona  a 
bh'aige  fhein  's  aig  a  choimhthional,  bha  e 'g 
radh  gu  robh  farmaid  aige  ris  na  heoin  bheaga 
a  bha  neadachadh  ann  an  eaglais  Anwoth.  Bha 
e  'faireachduinn  a'  cheart  ni  a  bh'ann  an  cridne 
'n  t-Salmadair,  'nuair  a  sheinn  e : — 

Tha  tart  air  m'anam  'n  geall  air  Dia 
'N  Geall  air  an  Dia  ta  beo 
O  c'uin  a  thig  's  a  nochdar  mi 
Am  fianuis  Dhia  na  gloir'l 

Ann  an  Obaireadhain  sgriobh  e  'chuid  a's 
motha  de  na  '  Litrichean,'  a  tha  'curoaii  ainme 


16 


beo.  Tha  mu  thimchioll  tri  cheud  gu  leth  dhiu 
ann  air  fad.  Bha  iad  air  an  sgriobhadh  gu  ard 
'us  iosal  air  feadh  na  duthcha— 'gan  comhair- 
leachadh,  'gam  misneachadh,  'gan  cronachadh, 
'gan  comhfliurtachadh  ann  an  nithean  spioradail. 
'S  docha  nach  robh  duil  sam  bith  aig  Ruther- 
ford fhein  gum  biodh  moran  iomradh  air  a 
chuid  litrichean  ann  an  deigh  a  bhais.  Ach  tha 
na  litrichean  fhathast  beo,  's  nan  Ion  do  dh'iom- 
adh  cridhe,  'nuair  nach  'eil  iomradh  air  a'  chbrr 
d'a  obair,  no  air  na  sgriobhaidhean  eile  a  choisinn 
cliu  dha  o  ghinealach  fhein.  'S  maith  an  gille- 
sabhuil  Tim.  'S  cinnteach  a  chuireas  esan 
dealachadh  eadar  an  cruithneachd  's  am  moll. 
Cha'n  'eil  an  aon  mheas  aig  a  h-uile  duine  air 
lithrichean  an  diadhair  so.  Thuirt  Baxter  nach 
robh  leabhar  eile  ann,  a  ghabhadh  coimeas  riu 
ach  am  Biobull,  's  thuirt  duine  eile,  nach  leig 
sinn  a  leas  ainmeachadh,  nach  robh  annta  ach 
'amaideas  agus  gaoth.'  'S  docha  nach  'eil 
smior  na  tirinn  aig  a  h-aon  dhiu — ach  tha  sinn 
cinnteach  as  a  so,  ma  ghabhas  'ar  luchd  leugh- 
aidh  'ar  comhairle,  's  litrichean  Rutherford  a 
leughadh  air  an  son  fhein^nach  bi  athreachas 
orra.  Cha  leig  duine  leas  a  ghabhail  ach  na 
fhreagras  air. 

Ann  an  1639  chuireadh  Rutherford  air  leth 
gu  bhi  na  fhear  teagaisg  ann  an  Oil-Thigh  Chill- 
Ribhinn,  agus  ceithir  bliadhna  na  dheigh  sin, 
bha  e  ann  am  measg  nan  diadhairean  a 
choinnich  ann  an  Westminster  's  a  chuir  ri 
cheile  Leabhar  Aidmheil  a'  chreidimh,  agus 
Leabhar  aitlighearra  naii  ceist  Shearmonaich  e 
air  beulaobh  Tigh  na  Parlamaid,  's  fhad  's  bha  e 
ann  an  Lunnainn  bha  e  'labhairt  's  a  sgriobhadh 
gun  tamh,  gun  fhois.  Ann  am  fear  de  na  leabh- 
raichean  a  sgriobh  e,  thug  e  oilbheum  do'n 
luchd  riaghlaidh  leis  an  doigh  anns  an  do  labh- 
air  e  mu  chbraichean  a'  Chriiin.  Dh'orduicheadh 
an  leabhar  a  bhi  air  a  losgadh,  mar  leabhar  a 
bha  cur  ann  an  suarachas  lagh  na  rioghachd,  's 
ughdaras  an  Righ,  's  ghairmeadh  Rutherford 
air  beulaobh  na  Parlamaid  gu  bhi  freagairt  air- 
son  a  cheannairceas.  Ach  bha  'chrioch  dluth, 
bha  "  sruth  a  re  a'  traghadh,"  's  ann  an  uine 
ghoirid  bha  e  gu  seasamh  'am  fianuis  Caithir  a 
b'airde.  'Nuair  a  thainig  a'  bhinn  'ga  ionnsuidh, 
bha  e  air  leabaidh  a  bhais,  's  'se  am  fios  a  chuir 
e  air  ais — 'Abraibh  riutha  gu'n  d'  fhuair  mi 
gairm  gu  cuirt  is  airde  na  iadsan,  's  ma'n  tig  an 
latha,  gum  bi  mi  far  nach  'eil  a  bheag  de 
righrean  no  de  dhaoine  mora.  Chaochail  e  ann 
an  1661. 

Bha  e  'na  dhuine  diadhaidh,  dileas  ann  an 
seirbhis  Chriosd,  a'  giulan  gach  latha  air  a 
chridhe  uallach  na  h-Eaglais  ann  an  Albainn. 
Bha  channchuir  air  a  tilgeil  ann  an  amanaibh 
dorcha,  bruailleanach ;  's  cha'n  'eil  teagamh 
nach  d'  f hag  sin  a  larach  air  a  spiorad.      Cha'n 


'eil  e  furasda  do'n  duine  's  fhearr  a  bhi  fada  air 
thoiseach  air  a  linn.  Cha'n  'eil  e  furasda 
dhaibhsan  a  dh'fheumas  cothachadh  air  son  a 
chreidimh,  a  bhi  cho  ciuin,  's  cho  ioriosal, 's  cho 
siochail,  's  cho  reusanta,  liusan  nach  leig  a  leas 
pairt  a  ghabhail  anns  an  stri.  'S  docha  gun  d' 
thubhairt,  's  gun  do  rinn  Samuel  Rutherford 
iomadh  ni,  ann  an  teas  a'  chatha,  nach  robh  air 
reir  lagh  a'ghraidh  ;  ach  is  ann  a  chionn  's  gun 
robh  e  cho  durachdach  ann  an  aobhar  an  t-sois- 
geil,  a  ghabh  e  pairt  anns  a'chath  idir,  's  'se  an 
duais  is  lugha  a  bu  choir  dhuinn  a  thoirt  dha,  na 
nithean  sin  a  dhichuimhneach,  's  a  chuid  is 
fhearr  dheth  a  chumail  air  chuimhne — 'fhaling- 
ean  a  thiodlacadh  agus  a  mhailheas  a  chuimh- 
neachadh  Cha  diomhanas  beatha  'n  duine  sin 
a  dh'f  hagas  dileab  aig  an  t-saoghal,  mar  a  dh'fhag 
Rutherford  anns  na  Litrichean.  Faodaidh 
sinn  a  radh  umpa  mar  a  thuirt  Iain  Bi/nyan  mu 
leabhar  eile — gu  bheil  iad  freagarach  airson 
cridhe  leonte.  Chaidh  e  troimh  mhoran  trioblaid 
'na  theaglach  fein,  's  tha  e  labhaiit  air  nithean  a 
dhearbh  e.  'S  e  am  facal  mu  dheireadh  a 
labhair  e  air  thalamh — Tha  gloir,  gloir  ann  an 
tir  Lnunanuel  shuas.  Rinn  Mrs.  A  R.  Cousin 
bean  ministeir  Eaglais  Shaor,  ann  am  Melrose, 
laoidh  mar  chumhneachan  air  Rutherford  ;  's 
tha  h-uile  rann  a  criochnachadh  leis  na  facail 
sin  a  thuirt  e  fhein  air  leabaidh  a  bhais.  Cha 
'n  eil  ann  an  leabhar  laoidh  na  h-Eaglais  ach 
sia  rannan,  ach  tha  naoi  rannan  deug  anns  an 
laoidh  uile  gu  leir,  's  cha  mhor  nach  he  a  tha 
innte  air  fad,  smaointean  'us  facail  a  th'  air  an 
toirt  as  na  Litrichean  aige  fhein.  Cha  b'urrainn 
i  clach  a  b'  fhearr  a  chuir  'na  charn.  Fhad  'sa 
sheinnearan  laoidh,  bithidh  cuimhne  air  Samuel 
Rutherford. 


AN   T-OL. 


Tha  fada  barrachd  dhrongairean  anns  an  duth- 
aich  so  na  'tha  innte  de  shaighdearan,  's  cha 
luaithe  bhasaicheas  drongair  na  tha  fear  tha  eile 
deas  gu  'aite  'ghabhail.  Mharbh  an  t-ol  tuill- 
eadh  dhaoine  na  chaidh  riamh  a  mharbhadhann 
an  cogadh.  Cha  dad  a'  bhreac  lamh  ris  an  61. 
Tha  'n  drongair  'na  dhuine  gun  fheum  dha 
fhein,  's  d'a  'theaghlach,  's  do  Dhia. 


Co  dhiu  a  tha  sinn  fhein  trocaireach  'no  nach 
'eil,  's  maith  leinn  duine  trocaireach  a  bhi  anns 
a'  choimhearsnachd. 

Co  dhiu  a  tha  sinn  fhein  ciuin  's  no  nach  'eil, 
's  maith  leinn  ar  gnothuch  a  dheanadh  ri 
daoine  ciuin. 

Co  dhiu  a  tha  duine  firinneach  e  fhein,  's  no 
nach  'eil,  's  rnaith  leis  seirbhiseach  firinneach 
fhaotainn. 


Air.  S. 


1907. 


AN    lOBAIRT   THAITNEACH. 


Is  tad  iobairtean  Dhe  spiorad  briste  :  air  cridke 

brisit  agiis  bri/ite,  a  Dke,  cha  dean  thusa  tair. — 

Salm  ^i,  ly. 

Co  de  na  sailm  is  fhearr  leibh,  arsa  caraid  ri 
Luther.  'Se  na  sailm  is  fhearr  learn,  fhreagair 
esan,  sailm  Phoil.  Co  ris  an  abair  sibh  suilm 
Phbil?      Tha,  ars' esan,  na  sailm  sin — 32,  51, 

i3°>  143- 

Anns  na  sailm  sin  tha  sinn  a'  cluinntinn  glaodh 
o'n  doimhneachd.  Ma  bha  duine  riamh  anns 
an  doimhneachd,  bha  'n  duine  a  sgriobh  an 
t-salm  so.  Cha'n  'ail  e  a'  labhairt  air  ni  nach 
b'  aithne  dha.  Tha  h-uile  facal  a'  tighinn  o 
'chridhe.  Dh'  f hiosraich  e  'na  bheatha  fhein  an 
ni  air  a  bheil  e  a'  labhairt.  B'  aithne  dha  gu  de 
'bu  chiall  do  pheacadh,  's  do  chionnta ;  's  tha 
'chridhe  air  a  lionadh  le  aithreachas  ann  an 
lathair  Dhe.  Fhuair  an  t-salm  so  greim  air 
cridhe  'n  t-saoghail  a  chionn  gu  bheil  i  ag  cur 
ann  an  cainnt  faireachduinnean  is  aithne  dhuinn 
uile.  Tha  i  'na  h-urnuigh  a  tha  freagarrach 
do  na  h-uile.  Ged  a  chaidh  a  sgriobhadh  o 
chionn  c6rr  agus  da  mhile  bliadhna,  tha  i  chour 
's  cho  beo  an  diugh  's  a  bha  i  riamh.  'S  an 
diugh  fliathast  'nuair  a  thig  duine  gu  caithir  na 
trocair,  gu  de  is  urrainn  dha  a  radh  ach  briathran 
an  t-salmadair  a  ghabhail  air  a  bhilean  fhein  : — 
Dean  tr5cair  orm,  a  Dhe,  a  reir  do  chaoimhneis 
graidh  ;  a  reir  lionmhoireachd  do  chaomh  throc- 
airean,  dubh  as  m'  eusaontas.  A'd  'aghaidh,  a'd 
'aghaidh-sa  pheacaich  mi  agus  rinn  mi  olc  a'd 
shealladb.  Cruthaich  annam  cridhe  glan.  Agus 
gu  de  is  urrainn  misneach  a  thoirt  dha,  an 
urnuigh  sin  a  labhairt,  ach  nach  dean  Dia  tair 
air  spiorad  briste  agus  bruite  ? 

Far  a  bheil  bron  airson  peacaidh  bheir  Dia 
maiiheafias.  'Nuair  a  tha  an  urnuigh  a'  tighinn 
o'n  chridhe — Dean  trocair  ormsa  a  tha  peacach — 
eisdidh  agus  freagraidh  Dia  i.  Ach  's  e  peacadh 
a  th'ann,  a  bhi  'cleachdadh  na  h-urnuigh  sin  gun 
suim  againn  gu  de  a  tha  i  a'  ciallachadh.  'S 
iomadh  duine  a  dh'  fhaodas  na  facail  sin  a  labh- 
airt, 's  gun  faireachduinn  sam  bith  aige  air  a 
pheacadh  fhein,  no  gun  bhron,  gun  naire  a  bhi 
aige  air  a  shon.  Cha  'n  'eil  urnuigh  an  duine  sin 
ag  eirigh  ni's  airde  na  muUach  a  chinn.  Cha 
leighis  gras  Dhe  ach  an  cridhe  sin  a  tha  cheana 
briste  agus  bruite.  Mar  a  bheil  ar  peacanna 
'nan  uallach  air  ar  coguis  fhein,  's  mar  a  bheil 
iad  'nan   dragh  's  'nan  naire  dhuinn,  's   mar  a 


bheil  iad  a'  lionadh  ar  cridheachan  le  bron 
diadhaidh,  cha  'n  'eil  ann  ach  amaideas,  seadh 
ladarnas,  duil  a  bhi  againn  gun  toir  Dia  maith- 
eanas.  Cha  tog  Esan  an  t-uallach  far  duine 
nach  'eil  a'  faireachduinn  an  uallaich.  Gu  de 
am  feum  a  bhiodh  ann  dhuinn  maitheanas 
fhaotainn  o  Dhia  airson  pheacanna  nach  'eil  a' 
cur  dragh  sam  bith  oirnnn,  's  nach  do  dhuisg 
annain  riamh  bron  no  aithreachas  !  Cha'n 'eil 
maitheanas  aig  Dia  do'n  chionntach  sin  nach 
d'  fhairich  a  chionnta,  's  cha  'n  'eil  iobairt  eile  a 
bheir  h-ugainn  a  bheannachd-san  ach  an  cridhe 
briste  agus  bruite. 

'Se  is  ciall  ddn  chridhe  bhriste  agus  bhruite, 
gu  bheil  a  pheacadh  fhein  air  a  dhearbhadh  air 
duine  leis  an  Spiorad  Naomh.  Cha'n  aithne 
dhuinn  gu  de  e  peacadh  gus  a  bheil  eolas  againn 
air,  mar  ni  a  tha  fior  mu'r  tiomchioU  fein.  As 
eugmhais  sin  cha  'n  'eil  ann  dhuinn  ach — facal 
agus  fuaim.  Tha  Iain  Bunyan  ag  innseadh 
dhuinn  gun  robh  e  aig  aon  am  a'  saoilsinn  nach 
robh  duine  eile  ann  an  Sasunn  a  b'fhearr  na 
esan  ;  ach  'nuair  a  bha  'choguis  air  a  dusgadh 
dh'  atharraich  e  a  chainnt,  's  tha  e  ag  radh — gur 
h-ann  aige-san  a  bha  'n  cridhe  a  bu  mhiosa  air 
an  t-saoghal,  gu  robh  eadhoin  cridhe  dubh 
ludais  glan  agus  gealann  an  coimeas  ri  'chridhe- 
san,  a  bha  cho  Ian  de  thruaillidheachd,  's  de 
mhi-naomhachd  's  gun  robh  e 'na  chuis-eagail,  's 
na  chuis-naire  dha  gach  latha.  'Nuair  a  tha  ar 
cridheachan  air  an  teagasg  leis  an  spiorad  naomh, 
cha'n  'eil  cainnt  eile  is  urrainn  sinn  a  chleachd- 
adh  ach  cainnt  Bhunyan  agus  Luther  agus 
Ph6il.  Am  peacach  is  iniosa  's  aithne  do  dhuine 
air  thalamh — 'se  e  fhein.  'Nuair  a  leughas 
duine  neo-spioradail  litrichean  PHOIL,  agus 
sailm  DHAIBHIDH,  agus  sgriobhaidhean  nan 
naomh,  's  a  chi  e  cuid  de  na  nithean  a  tha 
iad  ag  radh  umpa  fhein,  's  ddcha  gun  abair  e— 
Tha  na  daoine  sin,  an  dara  cuid,  ag  innseadh 
nam  breug,  no  bha  iad  seachd  uairean  ni's  miosa 
na  mi  fhein.  Cha'n  'eil  iad  ag  innseadh  nam 
breug,  ach  b'  aithne  dhaibh  an  cridheachan 
fhein  mar  nach  aithne  dhuinne  ar  cridheachan 
fhein.  Ghabh  iad  a'  choinneal  'nan  laimh,  's 
chaidh  iad  sios  do  sheomraichean  diomhair  agus 
dorcha  a'  chridhe,  far  a  bheil  na  creatairean 
grannda  a'  snaigeadh,  's  bha  iad  cho  onarach  's 
cho  nibr  ann  an  da-rireadh,  's  gun  d'  innis  iad 
dhuinne  gu  de  a  chunnaic  iad.  An  do  ghabh 
sinne  a'  choinneal  riamh  'nar  laimh  's  an  deach-  . 
aidh  sinn  sios  do  na  h-aitean  uaigneach  sin  ? 
'Se  gle  bheag  dhaoine  a  tha  'deanadh  sin.  Tha 
prabadh   de  dh'  eolas    againn   air  gach  ni  fo'n. 


18 


ni's  tuotha.      Tha 
gu   siorruidheachd 


ghr^in  ach  air  ar  cridheachan  fhein.  Tha  ar 
cridhe  na  dhiomhaireachd  dhuinn,  's  cha  do 
ghabh  sinn  dragh  gu  bhi  faotainn  a  mach  gu  de 
an  t-olc  a  th'ann.  'Nuair  a  ni  sinn  sin,  cha 
chuir  e  ioghnadhoirnn  gun  labhradh  Daibhidh 
is  Augustine  is  Bunyan  mar  a  rinn  iad.  Labh- 
raidh  sinn  fhein  air  a'  cheart  doigh  's  cha  bhi 
urnuigh  eile  is  urrainn  sinn  a  ghabhail  air  ar 
bilean  ach — Dean  trocair  orm  a  reir  do  chaoimh- 
neis.  Far  a  bheil  eolas  air  peacadh,  tha  'n 
cridhe  briste  agus  bruite ;  's  far  a  bheil  an 
cridhe  bruite,  tha  'n  iorioslachd  ann  an  lathair 
Dhe. 

T/ia  '«  Tigheani  cC  gabhail  tlachd  ann  a  bhi 
kigheas  an  spioraid  leonte.  Tha  'n  fhirinn  sin 
air  a  sgriobhadh  air  gach  duilleig  de'n  Bhiobull. 
An  duine  nach  d'  fhuair  sinn  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh,  cha  d'  fhuair  e  dad.  Tha  ar  peacanna 
mor  ach  tha  Trocair  Dhe 
'throcair  o  shiorruidheachd 
orrasan  da'n  eagal  e. 

Dh'  ionnsuidh  'n  tearmunn  so  ma  theid  mi, 
'N  diult  e  m'  iarrtas  gear  ? 
"O  cha  diult  trath  mhaireas  talamh, 
Cuan  is  speur." 

An  duine  is  miosa  air  an  talamh,  ma  leagas  e 
air  altair  Dhe  an  iobairt  sin — cridhe  briste  agus 
bruite— gabhaidh  Dia  rithe  agus  abraidh  E: — 
Imich  ann  an  sith,  tha  do  pheacadh  air  a  mhaith- 
eadh.  Cha'n  'eil  e  fhathast  ro  anmoch.  Ged 
a  dh'  fhaodas  an  uair  sin  tighinn.  Cha'n  'eil 
maide  sam  bith  cho  cam  's  nach  dean  Esan 
rudeigin  dheth  ma  chuirear  'na  laimh  e.  Cha  'n 
urrainn  Dia  fhein  dad  a  dheanadh  airson  an 
anma  sin  aig  nach  'eil  feum  no  iarraidh  air 
trocair.  Ach  an  t-aiiam  sin,  d'a  bheil  a  pheac- 
adh fhein  'na  uallach,  's  'na  charraid,  's  'na  naire 
's  'na  chuis-brbin,  gabhadh  e  misneach  as  na 
briathran  sin  's  biodh  iad  dha  'nan  acair — Is  iad 
iobairtean  Dhe  spiorad  briste ;  air  cridhe  briste 
agus  bmite,  a  Dhe,  cha  dean  thusa  fair.  Beann- 
aich  an  Tighearn,  O  m'  anam.  'S  e  mhaitheas 
dhuit  do  pheacanna  gu  leir,  a  shlanuicheas 
t-euslaintean  uile  :  a  shaoras  do  bheatha  o  sgrios, 
a  chrunas  tu  le  caoimhneas-graidh  agus  caomh- 
throcairean. 


AM    FASGADH. 


'Se  ar  barail  nach  'eil  laoidh  eile  a  tha  air  a 
seinn  cho  bitheanta  's  na  h-eaglaisean  ris  an 
laoidh  so.  Tha  sinn  'ga  cur  sios  mar  a  tha  i  air 
a  tionndadh  gu  Gaidhlig  le  Mr.  Iain  Mac 
Ille-bhain,  anns  an  leabhar  sin,  Laoidhean 
AGUS  Dain  Spioradail. 


'Chreag  a  sgoilteadh  air  mo  sgJith, 
Bi  ad  fhasgadh  dhomh  's  ad  sta  ! 
Anns  an  uisge  's  anns  an  fhuil 
'Thaom  o  leon  do  chleibh  mar  thuil, 
lonnlaid  nam  gach  peacadh  's  truaigh  ; 
Saor  o  chionnt'  an  uilc  's  o  'bhuaidh. 

Chan  e  gniomh  mo  lamh,  gu  beachd, 
'Fhreagras  iarrtais  theann  do  reachd  ; 
Eud  gun  sgios  is  saothair  chruaidh 
Deoir,  ged  chlaisinn  leo  mo  ghruaidh, 
'N  eirig  m'  uilc  cha  diongadh  sion  ; 
'S  Tusa  mhEiin  bheir  slaint'  is  dion. 

Falamh  tha  mi  'teachd  's  gun  tr&oir  ; 
M'  uile  dhbigh  tha  'd  iobairt  mhoir  ; 
Deonaich  comhdachadh  do  m'  nochd, 
Gr^s  do  m'  laigsmn  is  do  m'  lochd  ; 
Nebghlan,  ruigeam  d'  fhuaran  gr^is, 
lonnlaid  mi,  no's  dan  domh  'm  bks. 

Feadh  a  mhaireas  plosg  mo  chre, 
'S  trail  bhios  mi,  aig  crich  mo  re, 
'Triall  an  turais-aineoil  mhoir 
Thun  do  Mhoid  gu  h-ard  an  Glbir 
'Chreag  a  sgoilteadh  air  mo  sgath, 
Bi  ad  fhasgadh  dhomh  's  ad  st^  ! 

Tha  gach  ni  againn  anns  na  rannan  sin  a  bu 
choir  a  bhi  ann  an  laoidh  ;  's  mur  a  bitheadh, 
cha  'n  fhaigheadh  i  an  greim  a  fhuair  i  air  cridh- 
eachan dhaoine.  'S  iomadh  duine  a  tha  'na 
dheagh  bhard  nach  urrainn  laoidh  a  dheanadh, 
's  cha  mhor  nach  faod  sinn  a  radh  gur  h-ann  gle 
ainneamh  a  tha  na  laoidhean  a's  fhearr  bardachd 
a'  faotainn  greim  mor  air  cridhe  na  h-Eaglais. 
'Se  is  reusan  dha  sin,  nach  'eil  na  laoidhean  "a' 
labhairt  ris  an  inntinn,  ach  ris  a'  chridhe.  Air 
cho  snasmhor  'sa  tha  rannan  mar  bhardachd,  's 
air  cho  fior  's  a  tha  na  smaointean,  's  air  cho 
soillseach  's  a  tha  iad  do'n  tuigse — mar  a  bheil 
iad  a'  gluasad  a'  chridhe,  cha  laoidh  iad.  'S 
docha  nach  'eil  snasmhorachd  cainnte,  no  doimh- 
neachd  smaointean  anns  an  laoidh  so,  ach  tha  i 
'cur  ann  am  briathran  simplidh  an  fhaireachd- 
uinn  spioradail  sin — ati  taic  a  tha  'n  t-anam  a' 
leigeil  air  Criosd — 's  a  chionn  gu  bheil  i  a'  labh- 
airt mu  fhiosrachadh  a  tha  cumanta  do  dhaoine 
uile — fhuair  i  aite  anns  an  eaglais  nach  'eil  e 
coltach  gun  caill  i.  Rannan  sam  bith  a  ghabhas 
seinn  ann  an  aoradh  na  h-Eaglais  air  latha 
comanachaidh — cha  leigear  a  leas  a  bhi  faoigh- 
neachd  a'  chorra.  'Se  sin  fior  laoidh.  An 
t-Sabaid  chomanachaidh  sin  air  nach  cluinn  sinn 
— ^Chreag  a  sgoilteadh  air  mo  sgath — tha  sinn 
ag  ionndrainn  ni  air  chor-eigin.  Cha  'n'eil  fhios 
againn  air  faireachduinn  ar  luchd-leughaidh,  ach 
CO  dhiu,  'se  sin  ar  faireachduinn  fhein. 

B'e  ughdair  na  laoidhe  so — Augustus  Top- 
lady.  'S  d6cha  nach  'eil  duine  's  a  cheud  de 
na  tha  'seinn  na  laoidhe,  a  chuala  riamh  iomradh 
air  an  ughdair.  'S  a  dh'  innseadh  na  firinn, 
tha  'n  laoidh  moran  ni's  motha  no'n  duine  fhein. 


19 


Tha  cuid  de  dhaoine  ann,  's  tha  iad  fein  fada, 
fada  ni's  motha  na  rud  sam  bith  a  rinn  iad  riamh ; 
ach  tha  cuid  eile  ann  's  tha  obair  an  laimhe  ni's 
motha  na  iad  fhein.  B'ann  dhiu  sin  Toplady 
Rugadh  e  ann  an  1740.  Tha  e  fhein  ag  innseadh 
gun  robh  e  air  iompachadh  'na  shia  bliadhna 
deug,  's  gur  h-e  'bu  niheadhon  air  sin,  searmon  a 
chuala  e  ann  an  sabhal  ann  an  Eirinn.  Shuidh- 
icheadh  e  'na  mhinisteir  ann  an  ceann  a  deas 
Shasuinn  ann  an  1768,  's  chaochail  e  ann  an 
1778  Cha  robh  deisciobul  riamh  aig  Calvin 
a  b'  eudmhoire  air  son  a  theagaisg  na  Toplady. 
Chuir  e  cudthrom  anabarrach  air  '■'■obair  an 
iaghaidh."  Aig  an  am  sin  bha  Iain  Wesley  a' 
dol  mu'n  cuairt  Shasuinn,  a'  searmonachadh 
soisgeul  farsuinn,  ag  innseadh  do  dhaoine  mu 
shaor  ghras  Dhe.  Bha  Toplady  cumhann  'na 
bheachdan,  's  chuir  e  uamhas  air  gum  bitheadh 
duine  mar  a  bha  Wesley  a'  deanadh  slighe  na 
slainnte  cho  farsuinn.  Thoisich  a'  chonnspoid, 
's  b'e  sin  a'  chonnspoid.  Ghabh  Toplady  an 
fhearg,  's  cha  robh  ni  a  bu  mhiosa  na  cheile 
nach  do  thilg  e  air  an  fhear  eile.  Ach  cha  leig 
sinn  a  leas  a  bhi  'toirt  an  tuilleadh  iomraidh  air 
a  sin — 'nuair  a  thoisicheas  an  trod  's  an  iorghuill- 
falbhaidh  spiorad  na  diadhachd  's  na  firinn.  'S 
e  gle  bheagan  dhaoine  a  tha  cho  naomh,  's  cho 
ciuin  's  gur  h-urrainn  dhaibh  dol  ann  an  conn- 
spoid  gun  chron  da'm  beatha  spioradail  fhein. 
Cha  b'ann  dhiu  sin  Toplady.  Shalaich  e  a 
bheul,  's  shalaich  e  anam  leis  na  labhair  's  na 
sgriobh  e  an  aghaidh  Wesley,  's  an  aghaidh  na 
muinntir  sin  nach  robh  a'  toirt  a  leithid  de 
dh'  aite  do  dh'  obair  an  taghaidh  's  a  bha  e 
fhein.  Thuirt  Wesley  fhein  uair-eigin  : — Coma 
leant  beachdan  duine,  tha  -mi  seachd  sgith  de 
bhruidhinn  mu  bheachdan  ;  faodaidh  duine  dol  do 
neamh  gun  bheachdan  ach  cha  teid  duine  sam  bith 
do  neamh  gun  ghradh.  Fagamaid  a'  chuis  mar 
sin  ;  's  fhada  o  cheile  a  bha  'n  dithis  sin,  Wesley 
agus  Toplady,  'nam  beachdan  ;  ach  tha  sinn  'an 
dochas  gu  bheil  iad  a  nis  dluth  d'a  cheile  ann 
an  gradh. 

Ged  a  tha  e  duilich  a  chreidsinn  biia  'n  laoidh 
so  air  a  sgriobhadh  ann  an  aghaidh  beachdan 
Wesley,  ged  nach  leir  dhuinne  ni  sam  bith 
innte  ris  nach  cuireadh  Wesley  aonnta,  Cha 
bhuin  i  do  mhuinntir  an  taghaidh  no  do  mhuinn- 
tir  an  t-saor  ghrais,  ach  buinnidh  i  do  na  h-uile.  Tha 
i  a'  cur  ann  an  cainnt,  faireachduinn  a  tha  cuman- 
ta  araon  do  Chalvinists  's  do  dh'  Arminians; 
's  cha'n  'eil  cridhe  nach  fhaod  na  briathran  so  a 
ghabhail  mar  a  chainnt  fhein.  Tha  i  'na  laoidh 
Chriosduidh,  freagarrach  do  na  h-uile,  's  cluinn- 
•ear  i  ann  an  eaglaisean  Cleireach,  ann  an 
Eaglaisean  Easbuigeach  's  anns  an  Eaglais  mhor 
sin  a  chuir  Wesley  air  a  cois,  's  anns  na 
h- Eaglaisean  Prostanach  gu  leir.  Faodaidh 
Papanach  is  Prostanach  breith  air  an  leabhar  le 


cheile,  's  an  laoidh  aig  Toplady  a  sheinn.  'S 
docha  na'n  robh  'cheist  air  a'  cur  ri  Toplady  e 
fhein,  gu  de  'chuid  de  dh'  obair  a  bheatha  a  bu 
bhuanachdaile  do'n  Eaglais,  's  do'n  t-saoghal, 
gun  abradh  e  gur  h-e  'chomstri  a  rinn  e  air  son 
na  Firinn — na  searmoin  a  shearmonaich  e,  's  na 
leabhraichean  a  sgriobh  e  'an  aghaidh  teagasg 
Wesley.  'S  docha  nach  cuireadh  e  cudthrom 
sam  bith  air  an  laoidh  so,  a  sgriobh  e  ann  am 
beagan  mhionaidean.  Ach  'si  an  laoidh  so  a 
tha  'cumail  ainme  air  chuimhne,  'nuair  a  tha  a 
shearmoin  's  a  sgriobhaichean  air  an  dichuimh- 
neachadh.  Gle  bhitheanta  cuiridh  Dia  air 
thoiseach  an  ni  a  chuireas  duine  e  fhein  air 
dheireadh,  's  nach  faod  sinn  a  radh  gun  do  chuir 
Dia  Toplady  do'n  t-saoghal,  cha'n  ann  gu  bhi 
'deanadh  connspoid  mu  obair  an  taghaidh,  ach 
a  chum  's  gun  sgriobhadh  e  na  rannan  sin — 
'  Chreag  a  sgoilteadh  air  mo  sgaih.  Nach  iomadh 
mile  anam  d'an  tug  an  laoidh  sin  togail  cridhe, 
nach  cuala  iomradh  riamh  air  an  ughdair,  's 
nach  faod  sinn  a  radh  mu  Augustus  Toplady 
— ged  a  tha  e  marbh,  gu  bheil  e  fhathast  a' 
labhairt. 


CURAM    NA  CLOINNE. 


Tha  facal  anns  an  Talmud  ag  radh  gun  do  thuit 
Jerusalem  a  chionn  gun  do  rinn  i  dearmad  air 
teagasg  na  cloinne.  Tha  cunnart  m6r  ann  do 
dh'  Eaglais  sam  bith  nach  toir  geill  do'n  aithne 
sin — Beathaich  m'  uain.  'N  uair  a  tha  clann  air 
an  toirt  a  stigh  do'n  Eaglais,  ann  an  Sacramaid 
a'  Bhaistidh ;  cha  'n  e  mhain  gu  bheil  boidean 
air  an  cur  air  na  parantan,  'an  togail  ann  an 
eolas  na  firinn,  ach  tha'n  Eaglais  i  fhein  ag 
aideachadh  gu  bheil  e  mar  fhiachaibh  oirre-se 
curam  a  ghabhail  do'n  chloinn. 

Tha  sinn  'an  diiil  nach  urrainn  comhthion- 
ailean  obair  sam  bith  a  ghabhail  os  laimh,  a 
bhitheas  cho  tarbhach  ris  an  obair  a  th'air  a 
deanadh  airson  na  h-oigridh.  Nach  faod  sinn  a 
radh,  gu  bheil  cridheachan  na  cloinne  coltach 
ris  an  fhearann  mhaith  sin,  air  an  d'  thug  an 
Slanuighear  iomradh  anns  a'  chosmhalachd,  agus 
a  thug  toradh  a  mach,  cuid  a  cheud  uiread,  's 
cuid  a  thri  fichead  uiread  's  a  chuireadh  !  'S  mor 
an  ni,  an  siol  a  chuir  fhad  's  a  tha  'm  fearann 
glan.  Gheibh  e  cothrom  fas.  Tha  cridheachan 
na  cloinne  'na  fhearann  glan.  'Se  paisdean  an 
latha  diugh,  fir  'us  mnathan  an  latha  maireach  ; 
's  cha  leig  sinn  a  leas  fiughair  a  bhi  againn  ri 
nithean  mora  o'n  latha  maireach,  mar  h-'eil  sinn 
ag  ullachadh  na  cloinne  air  a  shon  sin. 

I.  Bu  choir  do  pharantan  an  clann  a  thoirt 
do'n  eaglais  cho  trath  's  is  urrain?i  dhaibh.  Bha 
sinn  ann  an  eaglais  o  chionn  ghoirid,  's  chuir  e 


20 


ioghnadh  mor  oirnn,  nach  robh  duine  an  taobh 
a  stigh  de  na  ballachan  a  b'oige  na  fichead 
bliadlina.  Cha  robh  e  'na  chomharra  maith 
idir.  Ma  dh'  fhaoidte  gu  bheil  moran  pharantan 
a'  smaointinn,  nach  bu  toigh  leis  a'  mhinisteir 
no  leis  a'  chomhthional,  clann  'fhaicinn  anns  an 
eaglais,  air  eagal  gum  biodh  iad  'nan  dragh  no 
gun  toisicheadh  iad  air  caoineadh.  Na  cuireadh 
sin  curam  orra.  Faodaidh  gu  bheil  ministear 
crosda  no  foirfeach  crosda  an  sid  's  an  so,  a 
bhiodh  diumbach.  Ach  tha  'chuid  mhor  de 
mhinistearan  's  de  chomthionalan  ni's  reusanta 
's  ni  's  faighidinniche  na  sin ;  's  cha  'n  ann 
diumbach  ach  anabarach  toilichte  a  bhitheas  iad, 
a'  faicinn  na  cloinne  a'  tighinn  do'n  eaglais,  ged 
nach  biodh  annta  ach  leanaban  'an  uchd  am 
mathar.  Is  taitneach  an  ni  e,  an  teaghlach  uile 
'fhaicinn  anns  an  aon  aite  suidhe — sean  'us  6g, 
beag  'us  mor  mar  tha  iad  ann.  Tha  sinn  'an 
duil  cuideachd,  gum  faodadh  an  t-seirbhis  an 
drasd  'sa  rithist,  a  bhi  air  a  deanadh  airson  na 
cloinne.  Tha  'n  corr  de  'n  chomthional  a  faot- 
ainn  uiread  sheirbheisean,  's  nach  biodh  reusan 
gearain  aca,  ged  a  dheanadh  am  ministear,  an 
drasd  'sa  rithist,  an  t-seirbhis  uile  airson  na 
cloinne  Dh'  fheuch  sinn  fhein  an  doigh  sin,  's 
tha  sinn  gle  thoilichte  gun  d'  fheuch.  Tha  e  a' 
toirt  toil-inntinn  do'n  chloinn,  fhios  a  bhi  aca  gu 
bheilear  a'  gabhail  suim  dhiu,  's  cha  bhi  iadsan 
air  dheireadh  a'  dol  do'n  eaglais  air  sabaid  na 
seirbhis  aca  fhein.  'Sa  radh  na  firinn,  tha  'n 
corr  de'n  chomhthional,  's  gu  sonruichte  na 
parantan  cho  toigheach  air  'latha  na  cloinne',  'sa 
tha  iad  air  seirbhis  sam  bith  eile. 

II.  Bii  choir  don  chomhthional  uile  a'  sgoil- 
Shahaid  a  chuideachadh,  Cha  'n'eil  cuisean  ceart 
mar  a  bheil  iad  a'  deanadh  sin.  lomadh  uair 
tha  e  duilich  do'n  mhinisteir  luchd-teagaisg 
fhaotainn,  ged  a  tha  gu  leor  anns  a' chomthional 
aig  an  rachadh  air  an  obair  a  dheanadh.  Far  a' 
bheil  moran  cloinne,  cha  'n  urrainn  duine  no 
dithis  a'  sgoil  a  ghiulan  air  a  h-aghaidh  mar  bu 
choir.  Ach  nach  trie  a  tha  sinn  a'  faicinn,  gu 
bheil  an  t-uallach  air  fhagail  air  h-aon  no  dha 
de'n  chomthional !  'S  a  Ihuilleadh  air  sin,  leigear 
leo  an  obair  a  dheanadh,  bliadhna  an  deigh 
bliadhna,  gun  uiread  is  taing  fhaotainn  air  a 
shon.  Cha  'n  e  a's  reusan  dha  sin  gu  bheil 
daoine  caoin-shuarach  no  neo-reusanta,  ach  nach 
'eil  iad  a'  smuaineachadh  air  a'  chuis.  Nam 
bitheadh,  chitheadh  iad  'sa  mhionaid  nach  'eil  e 
ceart.  Fhad  'sa  tha  sinn  a'  labhairt  air  a  so, 
cha'n  urrainn  sinn  gun  iomradh  a  thoirt  air  an 
t-seirbhis  a  tha  boirionnaich  na  h-Eaglais  a' 
deanadh  anns  na  sgoilean  Sabaid.  Mar  a  b'e 
an  cuideachadh  a  tha  iadsan  a'  deanadh,  's 
iomadh  sgireachd  anns  am  faodadh  a'  sgoil- 
Shabaid  a  bhi  air  a  dunadh.  'S  fhiach  iad,  da 
rireadh,   moladh   air  son    an    dilseachd.       Ach 


nach  bu  choir  do  na  gillean  oga  an  eiseimpleir 
a  leantuinn.  Bhiodh  e  'na  bhuanachd  dhaibh 
fhein,  's  do  dh' aobhar  Chriosd  annsan  duthaich. 
Cha'n  aithne  dhuinn  doigh  eile  anns  am  b'fhearr 
dhaibh  feasgar  sabaid  a  chuir  seachad,  na  bhi 
'teagasg  na  clomne.  'Se  sin  obair  air  a'  bheil 
beannachd  Dhe  gu  cinnteach.  'S  iomadh  duine 
air  nach  cual  an  saoghal  riamh  iomradh,  a  bha. 
'na  mheadhon  air  obair  mhor  a  dheanadh  anns 
an  sgoil-Shabaid.  Dh'  fhaoidhte  a  radh  mu 
thimchioll,  gun  eiridh  a'  chlann  agus  gum  beann- 
aich  iad  e.  Tha  toradh  a  shaothair  ri  fhaicinn 
'nuair  tha  'chnamhan  fhein  's  an  uir.  Na  dich- 
iiijuicliihh  an  sooilShabaid. 


AN    TOMHAS    CEART. 


Tha  iomadh  duine  toilichte  gu  leoir  le  'airde- 
fhein  a  chionn  nach  do  thomhais  e  fhein  ri 
tomhas  ceart.  Thug  a'  Pharasach  taing  do  Dhia, 
nach  robh  esan  coltach  ri  daoine  eile.  B'e  an 
t-slat-thomhais  a  bh'aig  an  Pharasach — cis  mhaor.. 
'Se  a  thuirt  Peadar — Iraich  uamsa,  a  Thighearn, 
oir  is  duine  peacach  mi.  B'e  an  t-slat-thomhais 
a  bh'aig  Peadar — Criosd.  'S  ann 'nuair  a  thomh- 
seas  sinn  sinn  fhein  ri  Criosd,  a  thuigeas  sinn  gu 
de  ar  n-airde.  Tomhais  thu  fhein  ri  duine  eile 
's  ma  dh'  fhaoite  gum  bi  moit  ort,  ach  tomhais 
thu  fhein  ri  Chriosd,  's  bithidh  naire  ort.  Ri- 
thaobh-san  tha  'n  t-aon  is  motha  againn  beag  ; 
an  t-aon  is  gloine,  salach ;  's  an  t-aon  is  ghee, 
'na  leanabh. 


Bha  caraid  dhomh  uair-eigin  a'  searmon- 
achadh  air  a' cheann-teagaisg  sin — Thubhairt  an 
t-amadan  'na  chridhe — cha'n  'eil  Dia  ann.  Tha 
e  coltach  gu  robh  e  gu  maith  trom  air  na  h- 
amadain,  's  gum  d'  thug  e  dhaibh  gu  searbh  e. 
An  deigh  an  t-searmoin,  bha  e  fhein  'us  bodach 
coir  a'  coiseachd  dhachaidh  comhia — 's  thuirt 
am  bodach — bha  na  thubhairt  sibh,  a  mhinistear, 
anabarrach  fior,  ach  air  a  shon  sin,  b'  fhearr 
leam  gun  d'  thubhairt  sibh  nach  'eil  Dia  a'  call 
dochais  eadhoin  de  na  hamadain. 

Cha  robh  riamh  aithreachas  orm  airson  nach 
do  labhair  mi  moran  ach  's  iomadh  uair  a  bha 
aithreachas  orm  gun  d'  thubhairt  mi  tuilleadh 
'sa  choir.  Tha  e  moran  nis  fhasa  ruith  a  leigeil 
leis  an  teangaidh,  na  tha  e  srian  a  chuir  oirre. 

'S  iomadh  duine  a  bha  air  a  chunntas  glic  gus 
an  d'  fhosgail  e  a  bheul  'S  iomadh  duine  aig 
a'  bheil  coltas  a'  ghliocais  air  aodann,  nach  'eil 
ann  ach  an  dearg  bhurraidh. 


Air.  6. 


1907. 


AN    T-URR.    IAIN    MAC   RUAIRIDH 
NACH   MAIREANN. 


Cha'n  'eil  fada  bho  'n  a  thug  sinn  iomradh  anns 
an  leabhar  so  ar  tinneas  ministeir  Shnisoirt,  's 
tha  sinn  duilich  gu  bheil  againn  a  nis  ri  iomradh 
a  thoirt  air  a  bhas.  Chaochail  e  'na  thigh  fhein 
's  an  Eilein  Sgiathanach  air  an  treas  la  fichead 
de  dh' April. 

Shuidhicheadh  e  'na  mhinisteir  ann  an  sgir- 
eachd  Hinipoil,  ann  an  eilein  Thiriodh  ann  an 
1879,  far  an  do  shaothraich  e  seachd  bliadhna, 
gus  an  do  ghairmeadh  e  gu  Snisort.  Ann  am 
measg  nam  ministearan  Gaidhealach  bha  e  air  a 
chunntas  'na  sgoileir  maith,  na  mhinisteir  dileas, 
's  'na  dhuine  glic.  Bithidh  e  air  ionndrainn  gu 
mor  le  'sgireachd  fhein,  's  le  cleir  an  Eilein 
Sgiathanaich.  Gad  a  bha  'chrannchuir  air  a 
tilgeil  ann  an  aite  iomallach,  cha  robh  bheag 

san  Eaglais  a  bu  dilse  'na  seirbhis  na  bha  esan. 
A  thuilleadh  air  obair  na  sgireachd  aige  fhein, 
bha  e  'na  fhear-deasachaidh  air  duilleagan 
Gaidhlig  an  leabhair  so,  c6rr  agus  fichead 
bliadhna.  'Nuair  a  b'eiginn  dha  sin  a  thoirt 
thairis  anns  an  earrach,  a  chionn  's  gun  robh  e 
ann  an  droch  shlainte,  thugadh  dha  taing  na 
h-Eaglais   air   son   na  seirbhis  a  rinn  e  dhi  le 

pheann.  'S  d6cha  nach  'eil  duine  an  diugh  a 
lathair,  a  sgriobh  uiread  de  Ghaidhlig  ri  Mhr. 
Mac  Ruairidh.  Cha  robh  stad  a'  dol  air  a 
pheann.  'S  iomadh  leabhar  Beurla  a  thionn- 
daidh  e  gu  Gaidhlig,  's  bha  iad  uile  air  an  dean- 
adh  cho  maith  's  nach  leigeadh  duine  eile  a  leas 
tilleadh  riutha.  Tha  fior  bhlas  na  Gaidhlig  air  a 
h-uiie  facal  a  sgriobh  e  riamh. 

Dh' f hag  e  banntrach  agus  ochdnar  chloinne, 
's  cha'n  'eil  duine  d'am  b'aithne  e,  nach  'eil  a' 
caoidh  maille  ri  theaghlach  anns  a'  ohall  a 
thainig  orra.  Bha  cruinneachadh  mbr  sluaigh 
aig  a  thiodhlacadh,  oir  bu  toigh  leis  an  Eilein 
air  fad  e.  Bha  e  'na  dhuine  ciuin,  iriosal, 
caoimhneil,  gun  a  leithid  de  ni  is  mi-run  'na 
chridhe. 


AN    SPIORAD    CEART. 


Tha  e  /ii's  beannaichte  ni  a  thoirt  na  ghabhail. — 
GnIOMHARA   XX  ,  35. 

Tha  sinn  gu  nior  ann  an  comain  Phoil  air  son 
cuimhne  a  chumail  air  an  fhacal  sin.  Cha'n  'eil 
na  soisgeulaichean  a'  toirt  iomradh  air.  'S 
docha  gun  cuala  Mata  agus  Peadar  agus  Eoin 


am  facal  sin  o  bhilean  Chriosd,  ach  ma  chuala, 
dhi-chuimhnich  iad  e,  no  co  dhiu,  cha  d'  thainig 
iad  thairis  air  a  ris.  Cha'n  fhaca  Pol  an  Slan- 
uighear  riamh,  's  cha  chual  e  a  theagasg ;  ach 
bha  e  a'  gluasad  am  measg  dhaoine  a  chunnaic 
's  a  chuala  Criosd,  's  aig  an  robh  e  'na  chleachd- 
adh  a  bhi  'g  aithiis  a  bhriathran.  Bha'n  soisgeul 
ann  am  beul  an  t-sluaigh  iomadh  bliadhna  ma'n 
deachaidh  a  sgriobhadh,  's  o  bheul-aithris  na 
h-Eaglais  fhuair  Pol  am  facal  sin — Tha  ems 
beannaichte  ni  a  thoirt  na  gliabliail  Ged  nach 
robh  fhios  againn  air,  cha  mhor  nach  faodamaid 
a  bhi  cinnteach  gur  h-e  'n  Slanuighear  a  labhair 
am  facal  so.  Tha  e  cho  coltach  ri  gu  de  a 
theireadh  E.  Tha  e  cho  coltach  ris  an  ni  a 
rinn  E. 

I.  B'e  so  an  spiorad  anns  an  do  clmir  Criosi> 
seachad  a  blieatha  fhein.  Cha  do  theagaisg  Esan 
dleasdanas  sam  bith,  nach  do  rinn  E  fhein  an 
toiseach.  Le  'ghniomharan  a  cheart  cho  maith 
's  le  'bhriathran,  dh'  fhoillsich  e  dhuinne  inntinn 
Dhe.  Fhad  'sa  bha  E  air  thalamh  bha  e  a' 
gabhail  tlachd  ann  a  bhi  'toirt  seachad.  Thuirt 
E  fhein — Cha  d'  thainig  mac  an  duine  chum  gu'n 
deantadh  fritliealadh  dha,  acli  a  dheanadh  frith- 
ealaidli,  agus  a  thabliairt  'anma  fcin  mar  eiric 
air  son  nilioran.  Thug  E  na  bh'aige  do  dhaoine 
eile  ;  cha  do  ghleidh  E  dad  dha  fhein.  Thug  e 
a  bheatha  airson  an  t-saoghail.  Thearuinn  Esan 
daoine  eile,  ach  cha  tearnadh  E  e-fhein.  'S 
iomadh  facal  briagh  a  thuirt  P61  mu  Chriosd, 
ach  cha  d'  thuirt  e  riamh  facal  is  fhearr  na  so — 
Is  aithne  dhuibh  gras  ar  Tighearna  losa  Criosd, 
ged  bha  e  saoibhir,  gidheadh  gitn  d'rinneadh 
bochd  e  air  b/iur  sonsa,  clium  gum  biodh  sibhse 
saoibhir  tre  a  blioclidainn-san.  Nan  cluinnte 
iomradh  air  aon  de  dhaoine  mora  an  t-saoghail  so, 
a  bha  cho  iriosal  's  gun  do  rinn  e  seirbhis  d'a 
sheirbhisich  fhein — theireamaid  gur  h-e  iogh- 
nadh  a  bh'ann,  's  mholamaid  an  gniomh.  Ach 
gun  tigeadh  Dia  anns  an  fheoil  gu  bhi  'deanadh 
seirbhis  airson  nan  creatuirean  a  chruithaich  E 
— 'se  sin  ioghnadh  nan  ioghnaidhean — an  ni  sin 
ris  an  abradh  Pol — gras  Dhe.  Co  an  cridhe  a 
smaointicheadh  air  ach  cridhe  Dhe?  Chuir 
Criosd  solus  air  an  fhacal  sin — TJia  e  ni's 
beannaichte  ni  a  thoirt  na  giiabhail — le  'theachd, 
ach  chuir  E  solus  air  gu  sonruichte  le  'bheatha. 
air  thalamh.  Bha  a.nf/iein  annsan  air  a  ceusadh. 
Bha  i  air  a  marbhadh.  Cha  d' fhuair  i  riamh 
lamh  an  uachdar.  Bha  fhios  aige  o'n  toiseach. 
ciamar  a  dh'eireadh;  dha,  ach  ged  a  bha,  cha  do. 
chuir  sin  bacadh  air  'obair.   Cha  b'ann  air  fhein 


22 


a  bha  E  'smaointinn  ach  air  daoine  eile.  Cha'n 
'eil  sinn  an  duil  gu  bheil  ni  eile  de  na  tha  sinn 
a'  leughadh  mu  laithean  deireannach  an  t-Slan- 
uighear,  is  motha  a  tha  dhuinn  'na  aobhar 
smaointinn  na  so — an  doigh  anns  an  do  dhi-ch- 
uimhnich  E  a  bhron  's  a  thrioblaid  fhein,  's  an 
do  choisrig  e  na  h-uairean  mu  dheireadh  gu  bhi 
'toirt  misneach  'us  comhfhurtachd  d'a  chairdean. 
Cha  'n  e  sin  doigh  dhaoine  ann  am  bitheantas. 
'Nuair  a  thig  trioblaid  'gar  n-ionnsuidh  fhein, 
cha  'n  'eil  moran  smaointinn  againn  air  cor 
dhaoine  eile.  Ach  ach  b'e  sin  Dhasan.  Ged  a 
bha  anam  fhein  bronach — bha  'inntinn,  cha'n 
ann  air  fliein,  ach  air  na  deisciobuil.  B'e  lagh 
a  bheatha— a  bhi  toirt  seachad.  Dh' fhulaing 
Esan  'nar  n-aite-ne.  Dh' fhuathaich  E  'bheatha 
a  chionn  gun  do  ghradbaich  E  sinn.  Chaill  E  i 
air  ar  son-ne.  Dhoirt  E  mach  anam  gu  bas,  a 
chionn  's  gun  robh  an  spiorad  sin  'na  chridhe — 
Tha  e  ni's  beannaichte  a  bhi  'toirt  na  bhi 
'gabhail. 

II.  Air  an  doigh  so  a  mhain  gahhaidh  sonas 
faotainn.       Cha  mhor  dhaoine  nach  'eil  ag  iarr- 
aidh    sonais,  ach  tha  a  mhor-chuideachd  de'n 
t-sluagh  'ga  iarraidh  air  an  doigh  chearr.     Cha'n 
fhaigh  sinn  sonas  gu  brath  gus   an  gabh  sinn 
doigh  Chriosd.      Tha  Esan  ag  radh  ruinn  gur 
h-e  'n  spiorad  a  bu  choir  a  bhi  'riaghladh  'nar 
beatha — spiorad  neo-fheiiieil ;    's   far  am  bi   sin 
tha   toiseach   aoibhneis.      Tha  moran  dhaoine 
ann  's  cha  neil  aca  latha  's  a  bhliadhna  ach — 
mi-fhein,  mi-fhein — thoir  dhomh,  thoir  dhomh. 
Cha    robh,    's    cha    bhi    na    daoine    sin    sona 
anns  t-seadh  is  airde,  's  cha  mho  is  e  spiorad 
Chriosd  a  tha  riaghladh  annta.     Nach  'eil  fhios 
againn  gle  mhaith  gur  h-e  na  laithean  a  bu  shona 
da'r  beatha,  na  laithean  sin  anns  an  deachaidh 
againn  air  comhnadh   na  caoimhneas  air  chor- 
eigin  a  dheanadh  do  dhaoine  eile?     Cha  robh 
moran  de  lighichean  spioradail  anns  an  linn  so 
a  b'fhearr  na  Henry  Drummond,  's  tha  esan  ag 
radh  gur  h-e  a'  chungaidh  a  bh'aige  ri  thairgsinn 
dhaibhsan  a  bha  'gearan  gun  do  chaill  iad  an 
aoibhneas  's  an  sonas — iad  a  dhol  a  mach  air  na 
rathaidean  mora,  's  air  na  sraidean  a  dheanadh 
dhaoine  eile  aoibhneach  agus  sona.    An  ni  a  tha 
duine  a'  gleidheadh  dha  fhein,  cha'n  'eil   toil- 
inntinn  ann  ;  ach  an  ni  a  th'air  a  roinn  ri  daoine 
eile  tha  e  a'  toirt  beannachd  'na  lorg.     Cha'n  e 
a  tha  sinn  a'  ciallachadh  leis  a  so  gun  gabh  sonas 
ceannacb  airson  punnd  Sasunnach  no  dha  's  an 
t-seachduin,  no  's  a  bhliadhna.      Cha'n  'eil  an 
sin  ach  spiorad  na  malairt — spiorad  an  t-saoghail. 
'Setha  sinn  a' ciallachadh  nach  ruig  duine  air 
an  t-sonas  's  air  an  t-sith  is  airde,  as  eughmhais 
gu  bheil  SM  fhein  ann  air  a  ceusadh,  gu  bheil  a' 
cheart  spiorad  ann  's  a  bha  ann  an  Criosd,  's  gu 
bheil  e  a'  toirt  geill  do  dh'  fhacal  an  Abstoil — 


Na  seallaibh  gach  aon  air  na  niihibh  sin  a 
bhtcineas  da  fein  ach  gach  aon  air  na  nithibh  a 
bhtiineas  do  dhaoine  eile  mar  an  ceudna.  B'  abh- 
aist  do  Shamuel  Rutherford — ma's  maith  ar 
cuimhne — a  bhi  'g  radh  nach  do  rinn  e  riamh 
urnuigh  air  son  caraid,  gun  Dia  a  thoirt  dha  rud- 
eigin  air  a  shon  fhein.  Ann  a  bhi  'ga  dhi-chumh- 
neachadh  fhein  fhuair  e  rud  nach  fhaigheadh  e 
air  atharrachadh  doigh.  Cha'n  'eil  an  saoghal  a' 
creidsinn  facal  dhe  so,  ach  'se  cuis  is  cruaidhe 
gu  bheil  moran  de  spiorad  an  t-saoghail  anns  an 
aon  is  fhearr  againn.  Cha'n  'eil  annainn  ach 
sgoilearan  dona  ann  an  sgoil  Chriosd.  Cha 
d'  fhag  sinn  fhathast  an  aibideal.  'Nuair  a 
smaoinlicheas  sinn  air  cho  toigheach  's  a  tha 
sinn  air  ar  toil  fhein  fhaotainn,  seach  toil  Dhe  a 
leantail ;  air  cho  beag  againn  's  a  tha  cor  dhaoine 
eile,  lamb  ri  ar  socair  's  ar  comhfhurtachdan 
fhein ;  's  air  cho  sgiobalta  's  a  gheibh  sinn  leth- 
sgeul  gu  bhi  'gabhail  an  aite  a  bhi  'toirt ;  nach  'eil 
e  gle  shoilleir  gu  bheil  feum  againn  suidhe  sios 
aig  casan  Chriosd,  feuch  an  seid  e  annainn 
spiorad  is  fhearr  's  is  airde,  's  feuch  am  bi  ar 
cridheachan  fuar  air  am  blathachadh  leis  a' 
ghradh  a  bha  'na  chridhe-san.  Far  a'  bheil  an 
gradh,  bidh  an  t-seirbhis.  Far  a'  bheil  an 
spiorad  neo-fheineil,  gheibh  e  rathad  air  e  fhein 
a  nochdadh. 

Abradh  an  saoghal  mar  a  thogras  e,  tha  e  ni's 
beannaichte  a  bhi  'toirt  na  gabhail. 


lOSA   'THUG    DO    M'  ANAM    GRADH. 


Tha  sinn  a'  toirt  aite  anns  an  aireamh  so  do'n 
laoidh  sin — losa  'thug  do  m'  anam  gradh.  Tha 
sinn  'ga  cur  sios  mar  a  tha  i  air  a  tionndadh  gu 
Gaidhlig  leis  an  Urr.  A.  Mac  Dhughaill  anns 
an  leabhar  sin  Laoidhean  agus  Dam  SpioradaiL 

losa  'thug  do  m'  anam  gradh, 
Gu  d'  uchd  baigheil  teicheam  fein, 
'N  uair  a  dh'  eireas  tonnan  ard', 
'S  doinionn  laidir  tigh'nn  o'n  speur. 
O  m'  Fhear-saoraidh,  falaich  mi 
Gus  an  te'id  a'  ghaillionn  seach'; 
Skbhailte  do  chala  sith, 
Gabh  mi  aig  a'  chrich  a  steach. 

Didein  eile  cha'n  'eil  ann, 
'S  tusa  's  taic  do  m'  anam  truagh  ; 
O  na  fag  mi  diblidh,  fann, 
Ghnath  bi  fhein  ga  m'  chumail  suas. 
Annad  tha  mo  dhochas  teann, 
Tha  mo  chomhnadh  uait  gu  leir  ; 
O  cuir  falach  air  mo  cheann, 
Steach  fo  dhubhar  sg^il  do  sg^ith. 

'S  tusa  mhain,  a  Chriosd,  tha  uam  ; 
Gheibh  mi  uait  gach  uile  ni  ; 
Tog  mi  'n  aird  is  cum  mi  suas, 
Leighis  agus  treoraich  mi. 


23 


'S  ceart  's  is  naomha  d'  ainm  gu  br^th, 
'S  mise  'm  peacach  graineil,  baoth  ; 
Lan  de  thruaill'eachd  tha  mi  ghnath, 
'S  tusa  lan  de  ghras  'tha  saor. 

Agadsa  tha  pailteas  grais, 

Gr^s  gu  m'  pheacadh  ionnlaid  uam  ; 

Eireadh  sruithean  beo  an  aird 

Chum  mo  nadur  'dheanadh  nuadh  ; 

'S  tusa  'n  Tobar  beo,  gu  fior, 

'Chaisgeas  m'  iotadli  mhor  gu  saor, 

'Chuireas  sblas  ann  am  chridh', 

'S  fad  na  siorruidheachd  nach  traoigh. 

Bha  an  laoidh  so  air  a  sgriobhadh  le  Tearlach 
Wesley.  Bha  e  latha  'na  shuidhe  ann  an 
seomar,  a'  leughadh.  Bha  'n  uinneag  fosgailte, 
's  air  dha  sealltuinn  a  niach,  chunnaic  e  eun  beag 
agus  seobhag  as  a  dheigh.  Bha  'n  cridhe  gu 
leum  as  an  eun  leis  an  eagal,  's  mu  dheireadh, 
""nuair  nach  robh  doigh  eile  air  dol  as  o'n 
t-seobhaig,  chaidh  e  steach  air  an  uinneig  's 
dh'  fholaich  e  e  fhein  ann  am  broilleach 
Wesley.  Dhuisg  sin  smaointean  ann  an  cridhe 
a'  mhinisteir.  Chunnaic  e  gun  robh  e  'na 
^hamhladh  air  an  doigh  anns  a'  bheil  an  t-anam 
a'  teicheadh  gu  fasgadh  ann  an  Criosd.  Thainig 
an  fhirinn  dhachaidh  gu  'chridhe,  gu  bheil  feum 
aig  an  anam,  coltach  ris  an  eun  bheag,  air  a  bhi 
'teicheadh  o'n  doinionn  's  o'n  chunnart  a  th'  as  a 
dheigh,  gu  cala  sithe ;  's  rinn  e  gairdeachas  anns 
an  fhacal  sin — Bithidh  duine  mar  ionad fasgaidh 
o'n  ghaoith,  agus  mar  dhidein  o'n  duinmn  ;  mar 
shruthaibh  iiisge  ann  an  aite  tioram,  's  mar  sgnile 
creige  moire  ann  an  tir  airsneulaich.  Gun  dol  a 
•  mach  as  a  sheomar,  sgriobh  Tearlach  Wesley 
an  laoidh  so — 

losa  'thug  do  m'anam  gradh 

Gu  d'uchd  baigheil  teicheam  fein, 

laoidh  a  tha  'na  comhfhurtachd  do  na  miltean 
nach  cuala  riamh  iomradh  air  an  f  hear  a  sgriobh  i. 

Cha  do  rugadh  riamh  anns  an  aon  teaghlach 
<Jithis  eile  a  bu  bhuiliche  a  thug  iad  fhein  do 
^heirbhis  diadhachd  na  Iain  agus  Tearlach 
AVesley.  B'  iadsan  a  chuir  air  a  cois  an  eaglais 
mh6r  sin  ris  an  abrar  Methodists.  'S  e  Iain  a 
l)u  chumachdaiche  'na  latha  fhein  na  Tearlach, 
's  is  docha  gur  h-aithne  do  mhoran  ainm-san 
nach  cuala  riamh  iomradh  air  a  bhrathair.  Ach 
tha  sinn  'an  duil  gu'm  bi  laoidhean  Thearlaich 
beo  'nuair  nach  bi  cuimhne  air  facal  de  na 
sgriobh  Iain.  Nan  dithis  rinn  iad  obair  mhor 
-ann  an  Sasunn,  's  tha  'n  obair  a'  dol  air  a 
h-aghaidh  an  diugh  fhathast.  Cha  robh  anns 
an  dusgadh  a  bha  ann  an  Wales  o  chionn 
bliadhna  no  dha,  ach  dusgadh  beag  ann  an 
coimeas  ris  a'  ghluasad  spioradail  a  bha  ann  an 
Sasunn  anns  an  ochdamh  linn  deug,  fo  shear- 
monachadh  nan  Wesleys  agus  Whitefield. 

Thuirt  Dean  Stanley  uair-eigin  mu  thiom- 
chioll  laoidhean  an  ughdair  so,  nach  robh  ann 


am  moran  dhiu  ach  moll  'us  luideagan.  Cha  b'e 
sin  beachd  Iain,  a  bhrathar.  Ann  an  Roimh- 
radh  leabhar-laoidh  a  chuir  e  'mach,  sgriobh  e. 
"  Chuir  duine  no  dha  an  t-urram  so  ormsa  's  air 
mo  bhrathair — na  laoidhean  againn  a  ghoid.  'Se 
lan  di  am  beatha  sin  a  dheanadh,  ma  chuireas 
iad  sios  iad  ceart.  Cha  leig  iad  a  leas  feuchainn 
ri  'n  deanadh  ni's  fhearr — oir  cha'n  urrainn 
daibk."  Dh'innseadh  dha  uair  eile  mu  bhoirr- 
ionnach  a  thug  paisgein  beag  do  Gharrick 
'nuair  a  bha  e  'dol  air  bord  luinge,  's  a  dh'iarr 
air  gun  fhosgladh  gus  am  fagadh  am  bata  an 
cladach.  'Nuair  a  dh' fhosgail  e  am  paisgein, 
gu  de  'bha  'na  bhroinn  ach  laoidhean  Wesley, 
's  nuair  a  chunnaic  Garrick  so,  thilg  e  'n 
leabhar  uaithe,  fad  a  laimhe,  a  mach  air  a'  mhuir. 
'Se  thuirt  Iain  Wesley  'nuair  a  chual'  e  an 
naigheachd — "  Cha'n  'eil  mi  'creidsinn  diog  dhi 
— oir  cha  robh  Garrick  cho  beag  tuir.  B' 
aithne  dha  Tearlach  mo  bhrathair  gu  maith 
's  bha  meas  mor  aig  air  a  bhardachd  Tha  e  air 
a  radh  gun  do  sgriobh  Tearlach  Wesley  sia 
mile  gu  leth  laoidh  ;  's  ma  tha  sin  fior,  cha 
leigeadh  Iain  a  leas  athadh  sam  bith  a  ghabh- 
ail  ged  a  theirte  ris,  nach  robh  cuid  dhiu  cho 
mhaith  ri  each.  Bha  'n  ceol  anns  an  teaghlach. 
Cha  robh  duine  riamh  ann,  tha  sinn  'an  duil,  d'a 
robh  e  ni  b' f  hasa  laoidh  a  dheanadh  no  do 
Thearlach  Wesley  ;  's  ged  a  tha  'chuid  mhor 
de  na  rinn  e  cheana  air  di-chuimhne,  bithidh 
feadhainn  eile  dhiu  beo  gu  brath,  's  nam  measg 
sin  tha — 

losa  'thug  do  m'  anam  gradh 

Gu  d'  uchd  bkigheil  teicheam  fein. 


AN     AOIS. 


Chuala  mi  duine  fiosrach  ag  radh  gur  a 
h-iomadh  uair  a  chuir  e  ioghnadh  air,  nach  'eil 
facal  ann  an  litreachas  nan  Gaidheal,  a'  moladh 
na  h-Aoise.  Cha  do  smaointich  mi  fhein  riamh 
air  an  rud,  gus  an  do  tharruing  esan  m'  aire  uige. 
Ach  'nuair  a  cheasnuich  mi  mo  chuimhne,  cha 
b'  urrainn  mi  rann  fhaotainn,  a'  moladh  na 
h-Aoise,  ged  a  bha  e  furasda  gu  leoir  rannan 
fhaotainn  'ga  di-moladh.  Tha  mi  'n  duil  gur 
h-e  Iain  MacCodrum  a  thuirt  : — 

Mar  a  sgaoileas  an  ceo  air  aodann  an  fheoir, 

'S  a  chaochaileas  neoil  's  na  speuran, 

Tha'n  aois  a'  teachd  oirnn,  cumhach,  caointeach, 

lan  broin, 
'S  neo  shocrach  ri  leon  an  te  ud. 

Mar  a  robh  a'  bheag  de  mheas  aig  na  Gaidheil 
air  an  Aois,  's  docha  nach  robh  iad  ach  coltach 
ri  'n  coimhearsnaich.     Ma  tha  na  baird  Ghaidh- 


24 


ealach  a'  nioladh  na  h-Oige,  's  a  di-moladh  na 
h-Aoise,  tha  baird  dhiitchannan  eile  a'  deanadh 
a'  cheart  ni.  'S  ciod  air  bith  a  their  na  baird, 
rinn  a'  chuid  nihbr  de  shluagh  an  t-saoghail  suas 
an  inntinn,  gur  h-e  laithean  na  h-Oige  am  is  sona 
de  bheatha  duine.  Cha  leig  sinn  a  leas  dear- 
bhadh  is  fhearr  fhaotainn  air  a  sin,  na'n  stri 
chruaidh  a  tha  daoine  a'  deanadh,  gu  iad  fhein 
a  chumail  5gail.  A'  cheud  roinneig  hath  a  chi 
iad  'nan  ceann — cuiridh  i  mulad  orra.  Cha 
toigh  le  daoine  a  bhi  'creidsinn  ga  bheil  iad  a' 
fas  sean.  Ach  air  a  shon  sin  uile,  cha'n'eil 
reusan  sam  bith  an  aois  a  bhi  'na  cuis-eagail. 
'Na  aite  sin  tha  feasgar  beatha  duine,  gle  bhith- 
eanta,  ni's  sona,  's  ni's  aoibhniche  'na  mhadainn, 
Na  daoine  'ris  am  bu  mhotha  a  bha  farmad 
agam  riamh — b'e  seann  daoine  a  bh'  annta. 
Ach  bha  iad  6g  'nan  cridhe,  's  bha  leithid  de 
chiuine,  's  do  ghhocas,  's  do  chaomhalachd- 
annta,  's  nach  iarrainn  ach  a  bhi  dluth  dhaibh. 
Their  daoine — Is  maiseach  an  ni  seann  duine — 
is  urramach  an  ni  ceann  liath.  Seadh,  ma  tha 
e  glic.  'N  uair  a  tha  'n  Aois  a'  toirt  leatha 
ghocas  agus  maitheas,  tha  i  da-rireadh  'na  criin 
gloire,  ach  'nuair  nach  'eil  i  a'  deanadh  sin,  's 
airidh  i  air  gach  caineadh  a  rinn  na  baird  oirre 
Seann  duine  hath  a  tha  ag  abachadh  ann  an 
gliocas,  ann  an  diadhachd,  ann  an  sith  spioraid, 
's  ann  an  irisleachd  cridhe — cha'n'eil  ni  eile 
air  an  t-saoghail  is  maisiche  na  sin.  Ach  bodach 
beag,  liath,  greannach  aig  nach  'eil  suim  do 
dhiadhachd  no  do  mhaitheas,  's  anns  nach  'eil 
ach  an  gaotharan  amaideach — cha  'n  'eil  ann  an 
cruthachadh  Dhe,  sealladh  eile  is  oillteile  na  sin. 
'Nuair  a  tha  'n  Aois  air  a  crunadh  le  maitheas, 
tha  i  maiseach.  Ach  'nuair  a  tha  i  ceangailte  ris 
an  fhaoineis,  tha  i  duaichnidh.  Ged  a  dh'  fhasas 
duine  sean  ann  ambliadhnachan  faodaidhspiorad 
na  h-oige  a  bhi  'nachridhe.  Cha  'n  e  na  preas- 
aichean  a  thig  air  aodann  duine  a  tha  'ga  dhean- 
adh  sean,  ach  na  preasaichean  a  thig  air  a  spiorad. 
'S  iomadh- a  h-aon  aig  a  bheil  a  chridhe  Ian 
phreasaichean  ma'n  ruig  e  da  fhichead  bliadhna, 
ach 's  iomadh  a  h-aon  cuideachd  achunnaic 
ceithir  fichead  geamhradh  's  nach  'eil  ann  ach 
am  balach.  'Nuair  a  tha  'n  cridhe  bg,  's  a 
mhaireas  dochas  beo,  cha  chudthorm  na  bliadn- 
achachan.  Bha  na  seann  Ghaidheil  a'  deanadh 
iomradh  air  aite  ris  an  abradh  iad — Tir  nan  Og. 
Se  sin  an  tir  a  tha  sinn  uile  ag  iarraidh.  C'aite 
a  bheil  i?  Tha  'n  Salmadair  ag  innseadh  ciamar 
a  rainig  esan  an  tir  sin,  's  cionnus  a  bha  'oige  air 
a  hath  nuadhachadh — Beannaich  a?i  Tighearna 
o  ni'  ana>n.  'Se  mJiailheas  dlmit  de  pheacanna  gu 
leir  a  shlanuicheas  t-euslaintean  uile,  a  sham-as 
do  bheatha  o  sgrios,  a  chrunas  tii  le.  caoimhneas 
o-raidh,  agus  caomh  throcairibh,  a  shasuicheas  do 
bheul  le  nithibh  inaithe,  air.  chor  as  gu' n' atlimiadh- 
aichear  t-oige,  mar  bige  na  h-iolaire. 


SMAOINTEAN. 


Bha  Righ  ann  uair-eigin  's  an  aird  an  Ear,  a 
ghabh  'na  cheann  gum  biodh  e  sona,  nan  rachadb 
e  'luidhe  aon  oidhche  ann  an  leine  duine  shona. 
Shiubhladh  an  duthaich  feuch  an  gabhadh  a 
leithid  sin  de  dhuine  faotainn.  Cha  robh  e 
furasda.  Ma  dheireadh  fhuaradh  baigear  bochd 
a  bha  Ian  shona.  Ach  'nuair  a  ruisgeadh  am 
baigear,  cha  robh  snathainn  leine  mu  chneas. 
Cha  leig  sinn  a  leas  an  cbrr  a  radh.  Tuigidh 
gach  duine  ach  an  t-amadan. 

Cha  'n  'eil  moran  pheacanna  ann,  is  lugha  a 
chuireas  de  dhragh  air  coguis  duine  na  sannt. 
'S  docha  gu  bheil  gu  leoir  de  dhaoine  nach  abair 
peacadh  ris  an  ni  sinn  idir.  Their  iad  gur  he 
failing  bheag  a  th'ann,  ach  ni 's  miosa  na  sin  cha 
'n  abair  iad.  Thuirt  sagairt  uaireigin  nach  d 
aidich  duine  riamh  dha  sannt  ann  am  measg 
nam  peacanna  eile  a  bha  iad  ag  aideachadh. 
Gu  de  is  ciall  da  sin  ?  Ma  ta,  cha'n  urrainn 
mi  radh,  mar  a  h-e  so  e — gu  bheil  cridhe  'n^ 
duine  anabarrach  cealgach. 

B'  abhaist  do  dh'  aon  de  na  seann  diadhairean 
a  bhi  'g  radh,  gu  bheil  an  saoghal  cruinn  'us 
cridhe  an  duine  tri-oisinneach,  's  ged  a  chuirte 
an  saoghal  uile  ann  an  cridhe  'n  duine,  gum 
biodh  aite  falamh  ann  fhathast. 

'S  fhearr  do  dhuine  olc  fhulang  seach  olc  a 
dheanadh.  'S  fhearr  do  dhuine  sgonn  a  thoirt 
bharr  a  theanga,  seach  i  bhi  ro  fhada.  'S  fhearr 
do  dhuine  saorsa  seach  saoibhreas. 

Feumaidh  daoine  oidhirp  a  thoirt  air  cur  suas 
le  cuisean  mar  a  thig  iad,  agus  an  uair  a  thig 
iad.  Cha  'n  'eil  duine  coimhlionta  air  an 
talamh ;  ach  air  a  shon  sin  tha  Dia  a'  cur  suas 
leotha,  agus  a'  toirt  orra  moran  feuma  'dhean- 
arah.  O  'n  a  tha  Dia  a'  cur  suas  leis  na 
seirbhisich  a  th'  aige,  's  gun  a  h-aon  dhiubb 
coimhlionta,  is  coir  dhuinne  gach  oidhirp  a 
thoirt  air  cur  suas  le  iomadh  ni  agus  neach  nach 
'eil  idir  cho  math  's  bu  mhiann  leinn. 

Is  ainneamh  leis  na  h-uilc  a  bhith  'nan  aonar. 
Is  trie  leis  na  breugan  a  bhith  'n  cuidheachd  na 
braide.  Is  trie  le  mi-bheus  a  bhith  'n  cuideachd 
na  misge. 

Tha  gu  le5r  aon  diolaid  a  chur  air  aon  each. 
Mar  an  ceudna  tha  gu  leor  aon  eallach  a  chur 
air  druim  duine  sam  bith.  Am  fear  a  ghabhas 
OS  laimh  mbran  a  dheanamh,  faodar  a  bhith 
cinnteach  nach  teid  aige  air  a  dheanamh  ach 
fior  bheagan. 

Cha  'n  fhaighear  an  gliocas  gu  li^ir  anns  an  aon 
cheann.  Cha  'n  e  so  a  tha  iomadh  neach  a' 
creidsinn.  Tha  duil  aig  cuid  gu  bheil  gliocas 
an  t-saoghail  uile  ri  'fhaotainn  'nan  cinn  fhein. 
Is  e  so  an  dearbh  chomharradh  leis  an  aith- 
nichear  cho  amaideach  's  a  tha  iad. 


,1 


Air.   8. 


1907. 


GLOER    CHRIOSD. 


A?i  uair  a  dhuisg  tad,  chunnaic  iad  a  ghloir. 
Lucas  ix,  32. 
Is  ann  a  dh'  uirnigh  chaidh  Criosd  suas  air 
beinn  Hermoin.  Thug  e  leis  triuir  d'a  dheis- 
ciobuil.  Bu  mhaith  leinn  an  uirnigh  sin  a  bhi 
againn,  ach  ma  chuala  na  deisciobuil  i,  cha  do 
chum  iad  air  chumhn'  i,  no  co  dhiu,  cha  'n  'eil 
iad  a'  toirt  iomraidh  oirre.  Bha  iad  'nan  cadal. 
Cha  'n  'eil  fhios  againn  an  robh  iad  'nan  cadal 
fad  na  huine,  no  an  do  dhuisg  iad  ma'n  do  stad 
E  dh' uirnigh.  Ach  an  uair  a  bha  iad  'nan  dusg- 
adh  chunnaic  iad  a  ghloir.  Bha  dreach  a 
ghnuise  air  atharrachadh  agus  'eudach  geal  agus 
dealrach.  Cha  bu  bhruadar  a  bh'  ann,  ach  seall- 
adh  a  chunnaic  iad  le  'n  suilean.  Cha  do 
dhichuimhnich  iad  e  ri  'm  beo.  'Nuair  a  bha 
Peadar  'na  sheann  duine,  bha  e  bruidhinn  air 
an  latha  a  bha  iad  maille  ris  air  an  t-sliabh 
naomh,  far  an  robh  iad  'nan  suil-fhianuisibh  air 
a  mhorachd. 

I.  ladsan  a  tha  beo  anns  a'  chuid  a's  airde 
d'a  nadur,  chi  iad  gloir  Chriosd.  Los  sinn  fhein 
a  chumail  anns  an  staid  sin,  feumaidh  sinn  Esan 
a  bhi  trie  'nar  smaointean.  B'  fheairrd  sinn  an 
dorus  a  dhunadh  an  drasd  's  a  rithist,  's  uair  no 
dha  a  chuir  seachad  leinn  fhein  a  beachd- 
smaoineachadh  air  beatha  Chriosd.  Tha  iomadh 
duine  nach  'eil  a'gabhail  mionaid  samhchair  leis 
fhein,  lalha 's  a  bhliadhna.  Cha 'n 'eil  sin  gu 
maith.  Air  cho  deonach  's  ga  'm  bi  duine,  cha 
'n  'eil  e  furasda  dha  inntinn  a  shocruchadh  air 
nithean  spioradail  am  measg  fuaim  is  driop  an 
t-saoghail.  Tha  cuid  de  na  naoimh  anns  an 
eaglais  Phapanaich  a'  toirt  thairis  am  beatha  gu 
leir  gu  bhi  beachd-smaoineachadh  air  fulangas 
is  crann  ceusaidh  Chriosd.  Cha  'n  'eil  iad  'ga 
leigeadh  as  an  cuimhne  mionaid  de'n  latha.  Dh' 
fhaodamaid  sinne  leasan  a  ghabhail  uapa.  Tha 
ar  cridheachan  gu  nadurra  fuaris  cruaidh,  's  cha 
'n  'eil  an  taingealachd  no'n  gradh  do  Chriosd 
annta  'bu  choir.  Na'n  cuimhnicheamaid  air  na 
bu  bhitheanta  's  nan  smaoinicheamaid  an  drasd 
's  a  rithist  re  an  latha,  air  a  bheatha's  fhulangas, 
dhuisgeadh  sin  annainn  an  tuilleadh  graidh  Dha 
's  bhriseadh  e  cruas  ar  cridheachan. 

IL  Tha  sinn  a'  faicinn  gloir  Chriosd  'nuair 
tha  faireachduinn  againn  air  miorbhuileachd  na 
h-obair  a  rinn  E  air  ar  son-ne.  'Se  gloir  an 
t-Slanuighear  a  mhaitheas,  ach  cha  leir  dhuinne 
a'  ghloir  sin  gus  am  bi  fiosrachadh  pearsant' 
againn  air  a  mhaitheas  da'r  n-anma  fein.    'Nuair 


tha  sin  againn,  tha  ar  suilean  air  am  fosgladh  's 
chi  sinn  maise  airsan,  gu'n  iarramaid  e  Tha 
sinn  a'  fas  cho  cleachdte  ri  briathran  a'  Bhiobuill 
's  nach  duisg  iad  ioghnadh  sam  bith  'nar  cridh- 
eachan, Eisdidh  sinn  ri  facail  de'n  t-seorsa  so 
gun  ioghnadh — Mac  Dhe  a  ghradhaich  mi  's  a 
thug  efein  air  mo  shon.  Nach  e  a's  ciall  d'a  sin 
nach  'eil  fhios  againn  gu  de  tha  sinn  ag  radh  !- 
Na'n  gabhamaid  a  stigh  da  rireadh  an  ni  a  tha 
iad  a'  ciallachadh  tha  mi  'n  dull  gu'n  tuiteamaid 
air  ar  n-aghaidhean  air  an  lar.  Na'n  leughamaid 
a  h-uile  feasgar  an  naoitheamh  caibideal  deug  de 
shoisgeul  Eoin,  'sa  radh  rinn  fhein  'nuair  tha 
sinn  'ga  leughadh — '6'  ann  air  Dia  fhein  a  rinn- 
eadh  .f^— tha  mi  'n  dull  gu'n  duisgeadh  e  ann- 
ainn ioghnadh  nach  leigeadh  leinn  cadal  tuilleadh. 
Bhruchdadh  maitheas  is  gradh  Chriosd  a  steach 
air  ar  cridheachan,  agus  anns  an  smaoin  sin 
chitheamaid  a  ghloir. 

III.  Ged  a  bhiodh  duine  fad  a  bheatha  lamh 
ri  Criosd  cha  rannsaicheadh  e  uile  gu  leir  a 
ghloir.  Ged  shealladh  e  airsan  tri  fichead 
bliadhna,  tha  gloir  fhathast  nach  fhac'  e.  Tha 
P61  a'  bruidhinn  air  saoihhreas  Chriosd  nach 
feudar  a  ramisachadh.  Fhuair  P61  greim  air 
rim-diomhair  na  diadhachd  mar  nach  d'fhuair 
moran,  ach  air  cho  soilleir  's  gu  robh  e,  air  cho 
domhain  's  gu'n  deachaidh  e,  bha  fhios  aige  gu 
robh  doimhneachd  grais  ann  an  Criosd  air  nach 
do  rainig  e  riamh.  Bha  saoibhreas  air  cul 
saoibhreis,  is  gloir  os  cionn  gloire  a  lion  a  chridhe 
le  moladh  agus  ioghnadh  air  chor  's  nach 
b'urrainn  dha  ach  an  uirnigh  so  a  radh  air  a 
shon  fhein  's  air  son  muinntir  Ephesuis — gu'm 
hiodh  iad  comasach  maille  ris  na  naoimh  telle,  a 
thuigsinn  ciod  e  lend  agus  fad,  agus  doimhne,  agus 
airde ;  agus  air  gradh  Chriosd  aithneachadh,  a 
chaidh  thar  gach  uile  eolas.  Beachd-smaoinich- 
eadh  duine  air  Criosd  's  air  'obair  uile  laithean  a 
bheatha,  's  cha  teirig  ioghnadh.  Cha  d'fhuair  e 
ach  cuman  as  a'  chuan.  Cha  d'  fhuair  e  ach 
earlais  de'n  oighreachd. 

Ach  an  t-anam  a  bhios  'na  dhusgadh,  an 
duine  bhios  beo  's  a'  chuid  a's  airde  d'a  nadur 
chi  e  'ghloir.  Chi  e  maise  nach  faic  na  suilean 
dall.  Tuigidh  e  nithean  nach  tuig  na  cridh- 
eachan cruaidh.  Tha  tri  gloineachan  leis  a  laic 
sinn  gloir  Chriosd — 

Cridhe  glan, 
Beachd-smuaineachadh, 
Umhlachd. 
Far  a  bheil  sin,  cha  'n  'eil  an  cadal  spioradail 
a  dh'  fholaicheas  a'  ghloir. 


30 


AN      LA  DA  R. 


Faodaidh  nach  'eil  fios  aig  cuid  d'ar  luchd 
leughaidh,  gu  de  tha  sinn  a'  ciallachadh  leis  an 
fhacal  ladar — co-dhiu  a  th'  ann  duine  no  beath- 
ach  no  biadh.  Ach  ma  ghabhas  iad  faighidinn, 
innsidh  sinn.  Thachair  dhuinn  a  bhi  seanchas 
an  la  roimhe  ri  bodach  c6ir  a  tha  'na  sheorsa  de 
phears'  eaglais  ann  an  sgireachd  nach  ruig  sinn  a 
leas  ainmeachadh,  's  thuirt  sinn  ris — a  Sheumais, 
an  aithne  dhuibh-se  gu  de  a  th'  ann  an  ladar? 
Sheall  e  oirnn  car  biorach,  's  fhreagair  e — mar  a 
mi-mhodhail  a'  cheist  e,  carson  a  tha  sibh  a 
feoraich  !  Dh'  innis  sinn  dha  gu  robh  sinn  am 
beachd  iomradh  a  thoirt  air  an  ladar  anns  an 
duilleig  so,  's  gu 'm  bitheamaid  fada'na  chomain 
nam  freagradh  e  a'  cheist  ann  am  briathran 
soilleir — gu  de  a  th'  ann  an  ladar.'  Gabhaibh, 
ars'  esan,  mo  leth-sgeul ;  ma  's  ann  airson  an 
leabhair  dheirg  a  tha  sibh  ag  iarraidh  forthais^ 
tha  'n  gnothuch  ceart  gu  leoir.  Abraibh  riutha, 
mhinisteir,  gur  h-e  a  th'  ann  an  ladar — bocsa  beag 
air  cois  f  hada  leis  am  bitear  a  trusadh  nam 
huinn-a-sia.  Tha  Seumas  'na  ghille-nihinisteir, 
no  mar  theirear  ris  Beadle,  's  tha  sinn  an  diiil 
gur  h-e  rinn  cho  amharusach  e  'nuair  a  bhruidh- 
inn  sinn  an  toiseach,  gu  robh  facaii  eadar  e  fhein 
's  na  foirfich  o  chionn  bhliadhnachan  mu  'n 
ladar.  Shuidh  sinn  aig  bun  craoibhe's  dh'  innis 
e  car  air  char  mar  bha.  Cha  ruig  sinn  a  leas 
tigh'nn  thairis  air  cainnt  Sheumais  air  eagal  gu 
faic  na  foirfich  e,  ach  o'n  fheasgar  air  an  d'  innis 
iad  dha  gu  faodadh  e  'n  ladar  a  chuir  air  an 
sparr,  's  gu  'n  cruinnichte  tabhartas  a'  choimh- 
thional  air  dhoigh  eile,  chaill  Seumas  a  thlachd 
'na  dhreuchd,  's  mar  be  nach  bu  toigh  leam,  ars' 
esan,  duin'  eile  fhaicinn  a'  cur  suas  a  Bhiobuill 
'nuair  a  bhios  sibh  fhein  a'  dol  do  'n  chubaid, 
thilgim  an  clag 's  a  h-uile  rud  eile  mu  'n  casan. 
Air  a'  cheud  Shabaid  an  deigh  do  na  foirfich  binn 
an  lidair  a  thoirt  a  mach,  'nuair  a  thainig  am  an 
tabhartais,  an  aite  Seumas  a  dhol  mu  'n  cuairt 
leis  an  ladar  mar  a  b'  abhaist,  dh'  eirich  triuir 
dhiii  fhein,  le  poca  beag  gorm  's  cearcail  mu 
bheul,  an  laimh  gach  fir.  Chrbm  Seumas  a 
a  cheann  air  an  aite  shuidhe,  's  cha  do  leig  e  air 
gu  robh  e  faicinn  no  cluinntinn. 

Cha  robh  fhios  agam  riamh  gu  robh  e  cho 
duilich  feum  a  dheanamh  air  chiil  ladair  gus  an 
deachaidh  mi  an  cainnt  Sheumais.  Bha  mise  'n 
duil  gu  rachadh  agam  fhein  air  dol  mu  'n  cuairt 
leis,  ach  chuir  esan  as  a'  bheachd  sinn  mi.  Cha 
ghabhainn  an  saoghal  a  nis  's  feuchainn  ris. 
Feumaidh  fear  an  ladair,  ars'  esan,  suil  gheur  a 
bhi  aige  agus  lamh  chinnteach,  's  a  dh'  aindeoin 
cho  curamach  's  gu  'm  bi  e,  faodaidh  dnod- 
fhortan  eiridh  dha.  Cha  do  shuidh  air  stiuir 
nach  d'  thainig  o  laimh.  Bidh  sibh  fhein,  a'  mhin- 
isteir, uairean  ni  's  cuimsiche  seach  uairean  eile. 


Bha  teanga  gheur  aig  luchd  an  ladair  cho 
mhaith  ri  suil  bhiorach  is  lamh  chuimseach. 
Bha  bean-uasal  air  an  cuala  sinn  iomradh  cho 
spiocach,  's  nach  cuireadh  i  dad  'san  ladar,  'nuair 
a  rachadh  i  do  'n  eaglais.  Neo-ar-thaing  nach 
robh  i  modhail,  's  nuair  a  shinnte  'n  ladar  'ga 
h-ionnsuidh,  ghogadh  i  a  ceann,  ach  cha  chuir- 
eadh  i  ruabhag  ruadh  ann.  Thachair  so  Sabaid 
no  dha.  Mu  dheireadh,  dh'  fhas  Seumas — ma 
's  e  Seumas  a  b'  ainm  dha — seachd  sgith  de  'n 
chluicheachd.  Bha  e  air  fharranachadh.  An 
ath  latha  'nuair  a  choc  e  rithe  'n  ladar  mar  a  b' 
abhaist  's  a  ghog  ise  ceann  gun  dad  a  chuir  ann, 
thuirt  e  rithe  gu  cas  ann  an  guth  a  chual  an 
coimhthional  uile — B'  fhearr  leam  na  bu  lugha 
de  mhodh  's  na  bu  mhodha  dh'  airgiod. 

Ach  saoilidh  sinn  gu  'm  b'  fhearrr  am  modh 
fhein  seach  buinn  gun  fheum  a  chuir  'san  ladar 
— gur  fiiearr  beic  na  putan.  Bha  duil  againn 
gur  h-ann  ri  feala  dha  a  bhiodh  foirfich  'nuair  a 
theireadh  iad  gu  'm  biodh  putain  is  tairngean  is 
trealaich  de  'n  t-seorsa  sin  'san  ladar,  ach  tha 
coltach  nach  h-ann  idir,  's  nach  ann  an  diugh 
no  'n  de  a  thoisich  an  t-olc.  Anns  an  ochdamh 
linn  deug  bha  'n  gnothuch  cho  maslach  's  gu'm 
biodh  Seiseinean  na  h-Eaglais  ag  iarraidh  air  na 
ministeirean — earail  a  thoirt  do  'n  t-sluagh  gun 
magadh  a  dheanamh  air  Dia  le  bhi  'cur  buinn 
'san  ladar  nach  gabhadh  na  marsantan.  Beagan 
bhliadhnachan  an  deigh  an  aonaidh  eadar  Albainn 
is  Sasunn,  cha  robh  feum  sam  bith  an  airgiod 
Albannach  Cha  ghabhte  's  a  mhargadh  e,  ach 
tha  na  leabhraichean  Seisein  aginnseadh  dhuinn 
gu  'n  cuirte  'san  ladar  e,  's  gu  robh  sin  na 
thrioblaid  mhor  do  na  foirfich.  Aig  deireadh 
na  bliadhna  bha  cuid  de  dh'  eajlaisean  aig  an 
robh  cho  mhaith  ri  cudthrom  dheich  puinnd  de 
sheann  airgiod  's  de  chuinnidhean  nach  b'fhiach 
dad.  'S  bha  e  air  a  radh  gu  'm  biodh  muinntir 
Obareadhain  a'  cur  droch  airgid  ann  am  bocsa 
nam  bochd,  'safaotainn  mughaidh  de  dh' airgiod 
maith.  Chum  cleireach  seisein  a  bha  dluih  do 
Ghlaschu  cunntas  air  na  droch  bhuinn  a  chuir- 
eadh  's  an  ladar  's  ann  am  bocsa  nam  bochd  fad 
dheich  bliadhna,  's  thuirt  e  gun  do  rinneadh 
20190  gniomh  leibideach  's  an  eaglais  anns  an 
nine  sin. 

Nan  robh  cainnt  aig  an  ladar,  b'  fhiach  dol 
air  cheilidh  air. 


C  A  O  M  H  A  L  A  C  H  D. 


Bha  mi  o  chionn  ghoirid  aig  tiodhlacadh. 
'Nuair  a  bhatar  a'dunadh  na  h-uagha,  chuala 
mi  triuir  no  cheathrar  d'a  choimhearsnaich  a' 
bruidhinn  mu  'n  fhear  nach  bu  mhaireann.  Cha 
b'  aithne  dhomhsa  ro  mhaith  e,  ach  rainig  aon 


! 


31 


fhacal  mo  chluas,  a  chord  rium.  Thuirt  iad, 
fear  as  deigh  fir,  gu  robh  Eoghan  'na  dhuine 
caomhal.  Ma  dh'  fhaoidte  gu  saoil  cuid  gur 
suarach  am  moladh  e,  gu  'n  abradh  a  choimh- 
earsnaich  mu  dhuine,  'nuair  a  thatar  a'  fagail  na 
beannachd  dheireannaich  aige,  gu  robh  e  'na 
dhuine  caomhal.  Ach  gu  de  an  teisteanas  a  b' 
fhearr  a  b'urrainniad  a  thoirt  dha?  'Nuair  a 
thig  am  has  's  a  tha  ar  cairdean  air  an  gairm  ann 
an  lathair  an  Ti  d'a  leir  na  h-uile  nithean,  's  a 
tha  mion-eolach  air  diomhaireachd  gach  cridhe, 
cha  bu  choir  dhuinne  breith  a  thoirt.  'S  e  ar 
gliocas  a  bhi  samhach.  Tha  iad  ann  an  lamhan 
an  Ti  a  tha  trocaireach.  Tha  feum  againn  uile, 
maith  is  dona  mar  tha  sinn  ann,  air  trocair,  's 
'nuair  a  sheasas  eadhoin  na  naoimh  aig  ceithir 
breitheanais,  cha  'n  urrainn  iad  bonn  misnich 
eile  bhi  aca — ach  gii  hheil  Dia  caomhal.  Is  ann 
'na  chaomhalachd-san  a  dh'  fheumas  sinn  uile 
ar  dochas  a  chur,  agus  saoilidh  mi  nach  'eil 
duine  sam  bith  a's  cinntiche  dh'  fhaodas  earbsa 
dheananih  as  a  sin,  na  'n  duine  mu  'n  abair  a 
choimhearsnaich  'nuair  a  tha  iad  'ga  fhagail  anns 
a'  chlaodh,  gu  robh  e  'na  dhuine  caomhal. 

Tha  caomhalachd  a'  ciallachadh  tuilleadh  is 
caoimhneas.  Faodaidh  duine  bhi  caoimhneil, 
gun  a  bhi  caomhal.  Is  iomadh  duine  mu  'n 
abrainn  gu  bheil  e  caoimhneil  mu  nach  abrainn 
gu  bheil  e  caomhal.  Tha  caomhalachd  a'  dol 
ni  's  doimhne.  Theirinn  gu  bheil  duine  caoimh- 
neil ma  tha  'lamh  fialaidh  's  a  chridhe  farsuing, 
ach  cha  'n  abrainn  gu  bheil  e  caomhal  mar  'eil 
spiorad  Chriosd  aige — mar  'eil  an  inntinn  's  an 
cridhe  aige  do  dhaoine  truagh  is  peacach  is  bochd 
is  amaideach  is  mi-fhortanach,  a  bh'  aig  Ciiosd 
'nuair  bha  E  air  thalamh,  's  mar  cuir  e  Esan  'nam 
chuimhne  gach  uair  a  thig  mi  faisg  air.  Ged  is 
mor  am  facal  e,  tha  cuid  a  dhaoine  ann  a  ni 
sin.  Is  iadsan  na  daoine  caomhal.  Tha  leithid 
de  bhaigh,  's  de  dh'  iochd,  's  de  chiuine,  's  de 
chairdeas  'nan  cridhe,  's  nach  urrainn  sinn 
tigh'nn  lamh  riutha  gun  faireachduinn  gu  bheil 
sinn  ni  's  dluithe  do  Chriosd,  's  gu  bheil  sinn  a 
tuigsinn  ni  's  fhearr  caibidealan  sonruichte  anns 
a'  BhiobuU  far  a  bheil  iomradh  againn  air  an 
doigh  's  an  do  labhair  an  Slanuighear  ri  Saccheus 
's  ri  sheorsa.  B'  aithne  dhomh  foirfeach  a  bha 
cho  garg  's  cho  colgarra  ann  an  trod  's  an 
diteadh,  's  gu  'm  b'  fhearr  le  daoine  teicheadh 
a  dh'  America,  seach  seasanih  air  a  bheulaobh 
anns  an  t-Seisein.  Theireadh  a  choimhearsnaich 
gu  robh  e  diadhaidh  ach  nach  bu  toigh  leo  e. 
Bha  eagal  air  a  h-uile  duine  'san  sgireachd 
roimhe.  Cha  chuala  mi  riamh  gu  'n  do  rainig 
duine  'na  eigin  a  dhorus,  na  gu  'n  do  chuir  duine 
amaideach  no  duine  cionntach  a  chomhairle  ris. 
Cha  robh  e  caomhal.  Cha  'n  'eil  diadhachd 
maith  'nuair  tha  i  fuar  is  gruamach,  ach  tha 
naomhachd  maiseach  'nuair  tha  i  air  a  crunadh 


le  caomhalachd.  An  robh  neach  riamh  air 
thalamh  cho  cairdeil  riCriosd,  ri  daoine  truagha? 
Cha  'n  e  'naomhachd  a  tharruing  peacaich  'ga 
ionnsuidh,  ach  a  chaomhalachd.  Bha  fhios  aca 
nach  ann  a  throd  riu  a  thainig  e,  ach  'gan 
cuideachadh,  nach  ann  'gan  diteadh  ach  'gan 
tearnadh.  Thug  e  dhaibh  misneach,  bhruidhinn 
e  riutha  mar  bhrathair,  's  leagh  a  chaomhalachd 
cruas  an  cridhe.  Thug  caomhalachd  an  t-Slan- 
uighear  ceudan  do  rioghachd  neamh  a  chumadh 
neo-chaorahalachd  nam  Pharasach  a  muigh. 

Tha  feum  aig  an  t-saoghal  daonnan  air  daoine 
caomhal.  Is  iadsan,  da  rireadh,  a  tha  cumail 
beo  a'  chreidimh  Chriosduidh.  Cha  'n  e  na 
h-arguimeadan  a  chuireas  sgoilearan  is  feallsan- 
aich  an  altaibh  a  cheile,  a  tha  cumail  a' chreidimh 
beo,  ach  caomhalachd  is  maitheas  nan  daoine 
sin  a  dh'  ionnsaich  caomhalachd  ann  an  sgoil 
Chriosd.  Aon  duine  caomhal  ann  am  baile,  is 
mor  a'  bheannachd  e.  Tha  e  'na  fhianuis  air 
taobh  diadhachd  a's  fhearr  na  leabhraichean. 
Tha  e  'na  thobar  beatha  as  a  bheil  daoin'  eile  'g 
ol  's  a'  faotainn  slainte.  Tha  e  'na  oladh  a 
leighseas  lotan  a  cho-chreutairean.  Tha  e  'na 
fhasgadh  a  dh'  ionnsuidh  an  tig  daoine  sgith. 
A'  chuiic  bhruite  cha  bhris  e.  Ma  dh'  fheumas 
e  neach  eile  chronachadh,  cronaichidh  e  ann 
an  gradh.  Ma  dh'  fheumas  e  suidh'  ann 
am  breitheanas  air  neach  eile,  cuimhnichidh  e 
trocair.  Ma  chluinneas  e  gu  'n  do  ghlacadh  a 
choimhearsnach  ann  an  coire  air  bith  gu  h-obann, 
cha  teid  e  seachad  air,  air  an  rathad  mhor,  's  cha 
dean  e  tair  air,  's  cha  troid  e ;  ach  togaidh  e 
suas  a  shamhuil  sin  do  dhuine  ann  an  spiorad  na 
macantachd.  Ma  ghabhas  facal  maith  a  radh  as 
leth  cionntaich,  cha  bhi  e 'na  thosd.  Cha  dean 
e  air  a  cho-chreutairean  ni  nach  bu  mhaith  leis 
Dia  a  dheanamh  air  fhein. 

Is  beannaichte  na  daoine  trocaireach,  oir  gheihh 
iad  trocair. 


AR   NAIMHDEAN. 


Cha  mhor  dhaoine  aig  nach  'eil  namhaid  air 
chor-eigin.  Saoilidh  sinn  gu  bheil  sinn  a'  dean- 
amh  gle  mhaith  ma  tha  e  'na  chleachdadh  againn 
a  bhi  'g  urnuigh  airson  ar  cairdean.  Ach  cha 
leig  Criosd  lemn  stad  aig  ar  cairdean.  Tha  e  'g 
radh — Deaiiaihh  urnuigh  air  son  na  muinntir  a 
tha  buntainn  ribh  gu  naimhdeil.  Cha  'n  'eil  fhios 
againn  am  bith  buanachd  'nar  n-urnuigh  da  'r 
namhaid,  ach  tha  cinnt  againn  gu  'm  bi  an 
urnuigh  sin  chum  buanachd  dhuinn  fhein.  Le 
bhi  'g  urnuigh  air  son  ar  namhaid,  gheibh  sinn 
buaidh  air  naimhdeas  is  mi-riin  ar  cndheachan 
fhein,  's  cha  bheag  a'  bhuaidh  sin.  Cha  'n 
urrainn  dhuinn  droch  fhaireachduinn  a  bhi 
againn  do  dhuine,  a's  abhaist  dhuinn  ainmeachadh 
'nar  n-urnuighean. 


.32 


AN  SAMHRADH. 


'NuAiR  a  bha  mi  'nam  bhalach,  bhiodh  m'athair 
'g  am  chur  a  bhuachailleachd  a'  chruidh  's  an 
t  samhradh  'N  uair  a  chuimhnicheas  mi  air  na 
laithean  sin,  thig  dusgadh  'nam  chridhe  air  nach 
urrainn  mi  cainnt  a  chur.  'Nuair  a  bhiodli  an 
crodh  ag  ionaltradh  rachainn  air  mo  dhruim 
direach  air  a'  mhachair,  's  dh'  eisdinn  ri  ceol 
nan  uiseag.  Tha  cuimhne  agam  fhathast  air  an 
t-s61as  a  bheireadh  e  do'm  chridhe,  's  na  smao- 
intean  a  thigeadh  'nam  cheann.  Tha  bliadh- 
nachan  uaithe  sin.  An  latha  roimhe,  bha  mi 
tigh'nn  dhachaidh  o  bhi  'g  araharc  duin'  6g  a  tha 
's  a  chaitheamh.  Bha  mo  chridhe  goirt.  Ach 
air  an  t-sliabh  bha  na  h-uiseagan  a'  seinn,  's  o 
nach  robh  siiil  'gam  fhaicinn,  chaidh  mi  air  mo 
dhruim,  's  dhuin  mi  mo  shuilean  feuch  an 
tigeadh  an  t-seann  fhaireachduinn  'nam  chridhe. 
Cha  d'  thainig,  ach  thainig  an  smaoin  'nam 
cheann  nach  robh  annam  ach  an  t-amadam,  's 
gu'm  b'  fhearr  dhomh  eiridh  air  eagal  gu  faigh- 
inn  an  16inidh.  Their  seann  daoine  gu  blieil  an 
samhradh  air  atharrachadh  seach  mar  a  bha  iad 
6g.  Ach  cha  'n  e  sin  am  facal  mu  dheireadh 
air  a'  chuis.  Bha  na  h-uiseagan  cho  binn  'sa 
bha  iad  riamh. 

AN    lORGHUILL. 

Bha  cu  ann  uair-eigin  a  chaidh  do'n  mhargadh 
's  a  cheannaich  ceann  caorach.  Air  an  rathad 
dhachaidh  thachair  da  chu  eile  air,  's  chaidh  iad 
far  a  cheile.  Leig  e  as  an  ceann,  rug  e  air  arah- 
aich  air  fear  dhiu,  's  thoisich  an  tapaid.  Am 
fear  nach  robh  'san  iorghuill,  sraaointich  e  gu 
robh  cho  mhaith  dhasan  feoil  itheadh  f had  's  a 
ghabhadh  i  faotainn,  's  thug  e  lamh  air  ceann  na 
caorach.  'Nuair  a  chunnaic  e  so,  leig  e  as  an  cu 
ris  an  robh  e  tapaid,  's  leum  e  air  muin  a  mheirl- 
ich.  Ach  fhad  's  a  bha  esan  an  amhaich  a 
mheirlich,  thug  an  cu  eile  aghaidh  air  a'  cheann. 
'Nuair  a  chunnaic  e  so,  's  a  thuig  e  nach  gleidh- 
eadh  e  'n  fheoil  nan  leanadh  e  air  an  tapaid, 
thog  e  leis  ceann  na  caorach,  's  thuirt  e — Ubh 
tibh  b'e  'n  la  e  ^ nuair  nach  urrainn  mi  tuasaid 
bheag  a  dheanamh  gun  mo  chuid  a  cha//. 

AN    TEANGA. 

Dh'  fheumadh  duine  geur  a  bhi  "na  dhuine 
caomhal.  Is  iomadh  uair  a  ni  an  teangadh 
gheur  lot  nach  'eil  furasd  a  leigheas.  Duine 
glic,  caoimhneil  aig  a  bheil  fuasgladh  facail — ni 
e  chairdean  cridheil;  ach  duine  an-iochdmhor 
aig  a  bheil  teanga  sgaiteach — 's  cuis  eagail 
do'n  duthaich  e.  Is  bitheanta  a  tha  ioc-shlainnt 
's  an  teanga  mhabaich,  'nuair  nach  'eil  's  an 
teanga  gheir  ach  am  puinsein. 

AN    TAOBH    EILE. 

Theid  againn  uile  air  trioblaidean  dhaoin'  eile 
a  ghiulan  ann  an  spiorad  Criosduidh.  Theid 
againn    air   solus    a    chur    air   freasdailean   gle 


dhorcha  'nuair  is  e  daoin'  eile  a  tha  fulang. 
Cha'n  e  a's  reusan  dha  sin  gu  bheil  sinn 'nar 
cealgairean,  ach  gu  bheil  e  duilich  do  dhuine  e 
fhein  a  chur  ann  an  aite  neach  eile.  'S  ann 
'nuair  a  bhios  an  cudthrom  oirnn  fhein  a 
dhearbhar  ar  cainnt.  Tha  mi'n  duil  gu  bheil 
f  hios  agam  ciamar  a  bu  chor  do  m'  choimhears- 
nach  uallach  a  ghiulan,  ach  b' fhearr  leam  gu 
robh  mi  cinnteach,  gu  de  dheanainn  fhein  na'n 
robh  mi  'na  aite. 


LAOIDH. 


Bha  an  laoidh  so  air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig  leis 
an  U}-r.  Iain  MacRiiairidh  a  bha  'na  fhear  deas- 
achaidh  air  na  duilleagan  so  fad  iomadh  bliadhna. 
Tha  fhios  againn  nach  misd  le  ar  luchd-leughaidh  a 
lamh  fhaicinn  aon  uair  eile. 

Fan  maille  rium !  tha  'm  feasgar  ciaradh  trom 
Is  sgail  na  h-oidhch':  a  Dhe,  fan  thusa  leam  ! 
'Nuair  thig  an  eis,  's  a  threigeas  cairdean  dliith, 
O  thi  bheir  neart  do'n  lag,  fan  maille  rium  ! 

Tha  beatha  'triall  's  mo  la  a'  tigh'nn  gu  crich ; 
Tha  maise  's  gl6ir  na  talmhainn  'dol  a  dhith  ; 
Tha  caochladh  m6r  ri  fhaicinn  air  gach  duil : 
O  thusa  chaoidh  nach  treig,  fan  maille  rium. 

Cha'n  e  mo  mhiann  thu  thriall  air  falbh  gun  dail 
Mar  neach  air  chuairt,  ach  thu  bhi  gabhail  tainih 
Am  chuideachd  fhein,  a  Dhe,  le  cairdeas  dluth, 
A  chaoidh  nan  cian  nach  treig;  fan  maille  rium. 

Na  tig  mar  Righ,  le  uamhas,  thugam  fhein, 
Ach  caoimhneil,  tlath,  le  slainte  fo  do  sgeith  ; 
Lan  iochd  is  truais  ri  sluagh  tha  'cur  riut  ciil ; 
Mar  charaid  caomh  nan  truagh,  fan  maille  rium  t 

'Nuair  bha  mi  6g  rinn  thusa  comhnadh  leam ; 
Ged    b'olc  mo  dhoigh,  's  mi  'triall  gu  bron  am 

dheann 
Cha  d'  threig  thu  mi  ged  nach  bu  mhiann  leam  thu 
Gu  ceann  mo  reis,  O  Dhe,  fan  maille  rium  ! 

Gach  uair  de'n  la  thoir  dhomh  do  laithreachd 

threun; 
Ciod  ach  do  ghras  bheir  buaidh  air  Satan  fhein? 
Co  ach  thu  fhein  bhios  dhomhsa  mar  reul-iuil  ? 
Gach  oidhch'  is  la,  O  Dhe,  fan  maille  rium. 

'Nuair  tha  thu  dluth  cha'n  eagal  leam  aon  namh  ; 
Tha  m'inntinn  stold'  's  tha   uilc  is  deoir  na'n 

tamh, 
Bho  'n  thug  thu  buaidh  air  bas  is  uaigh  le  cliu, 
'Nuair  sheas  thu  'n  kit'  do  shluaigh;  fan  maille 

rium. 

Cum  suas  do  chrann  gach  am  am  shealladh  fhein 
Le  d'  sholus  aigh  stiuir  mi   do  ghnath  's  gach 

c^um  ; 
Tha  'n  sgail  a'  triall,  's  tha  mhaduinn  shiorruidh 

dlijth, 
Trath  bhios  mi'n  so,  O  Dhe,  fan  maille  rium. 


Air.   lO. 


1907. 


AM     FOGHARADH. 


Ann  an  cuid  de  sgireachdan,  tha  e  'na  chleach- 
dadh  latha  buidheachais  a  choimhead  aig  deir- 
■  eadh  an  Fhoghair.  Bu  mhaith  nam  biodh  a 
leithid  sin  de  latha,  air  a  choimhead  leis  gach 
■comhthional  'san  eaglais.  Tha  e  iomchuidh 
gu'm  biodh  cothrom  air  a  thoirt  do'n  t-sluagh, 
pairt  a  ghabhail  ann  an  seirbhis  bhuidheachais 
airson  an  fhogharaidh,  co-dhiu  a  ghabhas  sin 
deanamh  air  Sabaid  no  latha  seachduinn.  Tha 
•  e  freagarrach  gu  moladh  daoine  Dia  airson 
cinneas  na  talmhainn,  cho  mhaith  'sa  mholas 
iad  E,  airson  throcairean  eile.  Tha  Esan  a' 
riaghladh  anns  an  t-saoghal  nadurra  mar  anns 
an  t-saoghal  spioradail,  's  chitear  a  chumhachd 
's  a  mhaitheas  air  an  achadh-bhuana  mar  a 
chitear  iad  'san  teampuU.  'Nuair  a  choisich  an 
Salmadair  thairis  air  achaidhean  ludah,  o  chionn 
•corr  is  da  mhile  bliadhna,  's  a  chunnaic  e  iad 
air  an  comhdachadh  le  pailteas  Dhe,  rinn  e,  's 
sheinn  e  'n  t-oran — 

An  talamh  tha  thu  fiosrachadh, 

'S  'ga  uisgeachadh  gu  reidh  ; 

Le  abhainn  Dhe  ta  Ikn  do'n  uisg' 

Trom  beartach  ni  thu  e. 

Dhoibh  arbhar  tha  thu  deasachadh, 

Le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 

'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 

Nan  iomairean  gu  min 

Mu'n  bhliadhna  coron  tha  thu  cur, 

Le  d'  mhaitheas  fein,  a  Dhe, 

Tha  saill  a'  sileadh  anns  gach  ait, 

O  d'  cheumannaibh  gu  reidh. 

'Gach  latha  tha  'n  urnuigh  a  tigh'nn  o  mhile  bile 
— Thoir  dhuinn  ar  n-aran  lathail — agus  is  e  na 
h-achaidhean  arbhair  freagradh  Dhe  do'n  urnuigh 
sin.  Tha  'n  saoghal  an  crochadh  ris-san  airson 
beatha  cuirp,cho  cinnteach  's  a  tha  e  'n  crochadh 
ris  airson  beath'  anma.  Their  sinn  gu'n  do  rinn 
Criosd  miorbhuil  'nuair  a  mheudaich  e'n  t-aran 
'sa  bheathaich  e  na  miltean,  ach  their  sinn  cuid- 
eachd  nach  'eil  a  leithid  sin  de  mhiorbhuil  a' 
tachaitt  an  diugh.  Tha  a'  cheart  ioghnadh  mu 
choinneamh  ar  sul  a  h-uile  foghar,  nan  robh 
againne  an  t-suil  a  chitheadh  's  an  cridhe  thuig- 
eadh.  Air  cho  innleachdach  's  ga  bheil  an  duine, 
'nuair  a  chuireas  e  'n  siol  anns  an  talamh,  oha  'n 
^urrainn  e  'n  corr  a  dheanamh. 

Is  e  Dia  a  blieir  fas  is  toradh.  Tha  maitheas 
Dhe  mar  gu'm  biodh  abhainn  mhor  a'  ruith 
troimh  'n  t-saoghal,  ach  tha  'n  abhainn  a'  ruith 
cho  cinnteach  "s  nach  'eil  sinn  a'  gabhail  suim 
dhi.  Gad  tha'n  fhuaim  'nar  cluasan,  cha  chluinn 
;sinn  i,  's  gad   tha  i  'dol  seachad  air  ar  dorsan, 


cha'n  fhaic  sinn  i.  Tha  earrach  is  foghar,  samh- 
radh  is  geamhradh,  fuachd  is  teas,  grian  is  gaoth, 
a'  tighinn  cho  cinnteach  'nan  am  fein,  's  ag 
oibreachadh  toil  an  Uile  chumhachdaich  cho 
seimh,  reidh,  ordail,  's  nach  'eil  iad  a'  cur 
ioghnadh  sam  bith  oirnn.  Tha  sinn  a'  tuiteam 
'nar  cadal  air  chor  's  nach  leir  dhuinn  an  lamh 
threun,  's  an  inntinn  ghlic,  is  cridhe  'ghraidh  a 
tha  air  chul  laghannan  Naduir.  Tha  feum 
againn  uile  air  an  urnuigh  a  radh  gach  latha — 
Fosgail  mo  shuilean  chum  's  gu  faic  mi  do  ghloir. 
Tha  Dia  anns  an  tsaoghal  an  diugh  mar  a  bha 
e  ann  an  laithean  an  t-Salmadair.  Q\a  d'  fhag 
Esan  an  saoghal  'n  uair  a  shiubhail  Maois.  Tha 
e  fhathast  a'  marcachd  air  sgiathaibh  na  gaoithe, 
's  nan  robh  claisteachd  againne,  chkiinneamaid 
fuaim  'imeachd.  Is  e  Esan  a  tha  'deanamh  an 
t-saoghail  maiseach,  's  a'  crunadh  na  bliadhna  le 
pailteas.  O  gach  achadh  buana  ann  an  am  an 
Fhoghair  tha  'n  guth  a  tigh'nn  'gar  n-ionnsuidh 
— Feuch  tha  mise  mailie  ruihh.  Tha  gach  dias 
a  chromas  a  ceann  le  cudthrom  a  toraidh  ag 
innseadh  dhuinn  nach  do  dhichuimhnich  ar 
n-Athair  air  neamh  a  chlann  a  lb'  air  an  talamh. 
Tha  Fhacal-san  cinnteach,  's  cha  teid  E  'n  cois 
a  gheallaidh. 

Tha  am  Foghar  a'  teagasg  iomadh  leasan 
dhuinn,  ach  tha  e  gu  sonruichte  'gairm  oirnn  an 
Tighearn'  a  mholadh.  Tha  sinn  uile  deas  gu 
bhi  gearan,  's  mas  fior  na  theirear,  cha'n'eil 
daoine  air  thalamh  cho  gearanach  ris  na  tuath- 
anaich.  Is  iomadh  uair  a  chuala  sinn  o  thainig 
a'  bhliadhna,  nach  robh  ri  bhi  ann  ach  foghar 
bochd,  's  nach  biodh  biadh  ri  fhaotainn  do 
dhuine  no  do  bheathach.  Ach  nam  biodh 
faighidinn  aig  daoine,  chitheadh  iad  gun  tig  gach 
ni  na  am  fhein.  Gu  de  is  fhiach  ar  creidimh 
ma  bheir  fras  luchair  air  falbh  e.  Cha  do  chuir 
an  gearan  cruach  a  bharrachd  riamh  'san  iodh- 
lainn.  'Nuair  a  bhios  an  t-eu-dochas  a'  faotainn 
lamh  an  uachdar  oirnn,  cuimhnicheamaid  gu  de 
a  thuirt  aon  de  na  faidhean. 

Chaoidh  ged  nach  toir  crann  fige  blath, 

'S  nach  fas  air  fion-chrann  meas 

Saoth'r  a'  chroinn-olaidh  ged  a  threig, 

'S  fas  dels  gun  bhi  air  slios. 

Gach  treud  o'n  mhainnir  ged  a  bhuail 

Grad  fhuathas  'nuair  nach  saoil  : 

Greigh  ged  nach  d'  fhag  an  t-Earrach  cruaidh 

No  bo  air  uachdar  raoin. 

Gidheadh  'san  Triath  bidh  mise  ait> 

Is  ni  mi  uaill  'na  gliradh 

Mor  aoibhneas  ni  mi  ann  am  Dhia 

'Se  Dia  mo  shlaint'  gu  brath. 


38 


A  dh'  aindeoin  gu  de  their  daoine,  is  e  an  inntinn 
's  an  spiorad  sin  a  bheir  buaidh  air  an  t-saoghal. 
Cha'n'eil  an  gearan  maith,  ach  ni  spiorad  na 
taingealachd  beatha  duine  maiseach,  's  ni  e 
chridhe  's  a  cheurn  aotram.  Ann  an  aon  de 
sgriobhaichean  nan  Rabbis  ludhach,  tha  e  air  a 
radh,  gu  bheil  da  sheorsa  ainglean  ann — ainglean 
airson  seirbhis,  's  ainglean  airson  molaidh.  Tlia 
na  Rabbis  fhein  ag  radh  gur  h-e  na  h-ainglean 
molaidh  a's  airde,  's  nach  'eil  e  air  a  chead- 
achadh  dhaibh  Dia  a  mholadh  da  uair.  'Nuair 
a  thogas  an  t-aingeal  a  guth  ann  an  laoidh 
molaidh,  's  a  sheinneas  i  cliu  an  Ti  a's  airde,  tha 
i  a'  criochnachadh  a  beatha,  tha  i  a'  sioladh  a 
mach  a  bith — oir  rainig  i  iomlanachd,  's  choimh- 
lion  i  run  Dhe  a  bh'  aige  's  an  amharc  'nuair  a 
thug  e  dhith  beatha.  Cha'n'eil  ann  ach  aon  de 
sgeulachdan  faoin  nan  seanairean,  ach  tha 
chriomag  so  de'n  fhirinn  ann — gu  bheil  duine  'g 
eiridh  gu  iomlanachd  beatha,  'nuair  tha  'chridhe 
air  a'  lionadh  le  spiorad  a'  mholaidh.  Bhiodh 
am  Foghar  na  shacramaid  dhuinn  uile,  nan 
duisgeadh  e  annain  taingealachd,  's  nan  tugadh 
e  oirnn  seinn  o'n  chridhe — 

O  m'  anam  beannaich  fein  a  nis 

lehobhah  mor  do  Dhia, 

Na  dichuimhnich  na  tiodhlacan 

A  dheonuich  dhuit  an  Triath. 
Ann  an  seirbhis  bhuidheachais  an  fhoghair  bu 
choir  dhuinn  na  bochdan  a  chuimhneachadh. 
Cha'n'eil  doigh  eil'  anns  an  fhearr  a's  urrainn 
dhuinn  ar  taingealachd  a  nochdadh.  Tha  'n 
doigh  sin  taitneach  do  Dhia.  Bhiodh  e  gle 
narach,  nam  biodh  ar  cridheachan  cruaidh,  'nuair 
tha  ar  saibhlean  Ian.  Cha  bhinn  an  ceol  le  Dia 
an  spiocaireachd.  Cha  d'  tainig  duine  riamh  gu 
bochdainn,  le  bhi  cuideachadh  nam  bochd.  Is 
toigh  le  Dia  cridhe  farsuinn  agus  lamh  f  hialaidh. 
Ged  a  dh'  fhaodas  gu  leoir  de  theachd  an  tir  a 
bhi  againne,  tha  na  miltean  air  a  bheil  an  tacras. 
'Nuair  a  stadas  na  Criosduidhean  air  a  bhi 
caoimhneil  ris  na  bochdan,  caillidh  an  diadhachd 
a  maise.  Cuimhnicheamaid  trocair  's  bitheamaid 
baigheil. 


M  A  R  A  N     ATA. 
I    Coi:    ib-22 


Cha'n'eil  am  facal  maranata  a'  tachairt  oirnn 
ach  aon  uair  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  's 
cha'n'eil  e  idir  furasd  a  radh  gu  de  brigh  an 
fhacail.  Tha  Pol  a'  sgriobhadh — Ma  tha  neach 
sam  bith  nach  gradhaich  an  Tighearn  losa  Crioid, 
biodh  e  '?ia  anatema  tnaranatha^  no  mar  tha  e 
air  a  chur  anns  a'  BhiobuU  ur  Ghaidhlig — Mur 
'eil  gradh  aig  neach  air  bith  do'n  Tighearna, 
bitheadh  e  Anatema.  Maran.  Ata.  Gu  de 
tha  Pol  a'  ciallachadh  ?     Their  cuid  gu  faodar 


cainnt  Phoil  a  chur  mar  so — gun  atharrachadb 
a  dheanamh  air  a  theagasg — Mur  gradhaich 
neach  Criosd,  biodh  e  mallaichte  gu  brath,  seadh 
seachd  uairean  mallaichte  Tha  am  facal  ana- 
tema a'  ciallachadh  duine  no  ni  a  th'  air  a  chur- 
air  leth  a  chum  sgrios  ;  's  a  chionn  gu'n  do  chuir 
Pol  an  da  fhacal  taobh  ri  taobh,  their  cuid  gur' 
h-e  tha  anatema  maranata  a'  ciallachadh — mall- 
achd  dhubailte,  leir  sgrios  eagallach.  Cha'n'eil 
na  :  sgoilearan  a's  fhearr  a'  toirt  gnuis  do'n 
bheachd  sin.  'Nuair  a  leughas  sinn  an  rann  so, 
bu  chor  dhuinn  stad  aig  Anatema,  mar  tha  'm 
Biobull  iir  a'  deanamh.  Cha'n'eil  e  ceart  an  da 
fhacal  a  chur  comhla  idir,  a  chionn  nach  'eil  iad 
a'  ciallachadh  an  aon  ni.  'Nuair  a  sgriobh  Pot 
na  briathran  soluirate — mur  'eil  gradh  aig  neach 
do'n  Tighearna,  bitheadh  e  anatema — rinn  e  stad- 
beag,  's  leis  an  ath  anail  thubhairt  e — Maran 
ATA,  is  e  sin  ri  radh,  Tha  ar  Tighearna  'teachd. 
Dh'  eirich  inntinn  Phbil  o'n  bhreiih  a  dh'  ionns- 
uidh  a'  bhreitheamh.  Tha  cuid  de  sgoilearan 
ag  radh  gu  faodar  na  briathran  a  ghabhail  mar 
urnuigh — A  T/iighearna,  thig. 

Bha  dochas  na  h-eaglais  air  a  chumail  beo^ 
ann  an  laithean  a  leanabachd,  le  duil  ri  teachd 
Chriosd.  Bha  moran  de  na  ceud  Chriosduidh- 
ean  aig  an  robh  Ian  fhiuthair  gu'n  tigeadh  Criosd 
an  dara  uair,  'nan  latha  fein.  Aig  aon  am  d'a 
bheatha,  bha  Pol  de'n  bheachd  sin  ;  bha  e'n 
duil  nach  b'  fhada  'n  nine  gus  a  faicte  an  Righ 
glormhor  a'  teachd.  Bha  an  urnuigh  gu  trie  air 
bilean  nan  creidmheach  anns  na  linntean  sin — 
A  Thighearna,  thig,  's  math  dh'  fhaoidte  gu'm 
biodh  cuid  dhiu  a  glaodhaich  nam  facal  ann  an 
seirbhis  na  h-eaglais,  direach  mar  a  chuala  sinn 
cuid  de  na  Methodists  a'  glaodhach  Halleluiah 
ann  am  meadhon  searmoin,  'nuair  a  chluinneadh 
iad  rud  a  chordadh  riutha. 

Tha  ar  Tighearn'  a'  teachd.  Is  e  sin  firinn- 
do  nach  'eil  Criosduidhean  an  latha  diugh  a' 
toirt  moran  geill  Cha'n'eil  iad  ag  aicheadh  gu'n 
tig  E,  ach  cha'n'eil  an  smaoin  anabarrach  beo 
dhaibh,  's  cha'n'eil  iad  a'  sealltuinn  ri  teachd  an 
Righ  le  dochas  is  aoibhneas  mor.  Bha'n  dochas 
sin  'na  neart  's  na  sholus  do'n  eaglais  ann  an 
toiseach  a  toiseachaidh.  Tha  an  Tionnadh 
Nuadh  Ian  dheth.  Thuirt  Criosd  e  fein — Agus 
an  sin  foillsichear  co??iharadh  Mhic  an  duine  ami 
an  neanih  ;  agus  chi  iad  Mac  an  duine  a'  teachd 
air  neoil  neimh,  le  cumhachd  agus  gloir  mhoir.~ 
Ann  an  sacramaid  na  suipeir  naoimh,  theagaisg 
Criosd  d'a  shluagh  cuimhne  'chumail  airsan, 
fiuthair  a  bhi  aca  ri  'theachd,  's  an  t-ordugh  sin- 
a  choimhead — gus  an  tig  e.  Agus  is  e  an 
urnuigh  mu  dheireadh  a  th'  anns  a'  Bhiobull — 
Amen  :  thig,  a  Thighearna  losa. 

Tha  e  soilleir  gu  leoir  o'n  Fhirinn  gu  bheil; 
Criosd  ri  teachd,  ach  cha'n'eil  e  idir  cho  soilleir 
cuin    no    ciamar  a  thig  E.     An    tig  E  ann    an. 


39 


uaigneas,  no  an  tig  E  le  fuaim  a  chlisgeas  an 
saoghal  ?  An  tig  E  ann  ancumhachd  a  spioraid, 
no  an  tig  E  mar  Righ  a  righicheas  gu  pearsonta 
thairis  air  na  duthchannan?  An  tig  E  aon  uair, 
no  an  tig  E  uair  is  uair  eile  ?  An  tig  E  gu 
h-aithghearr,  no  an  teid  na  miltean  ginealach 
seachad  ma'n  cluinnear  fuaim  a  theachd  ?  Eiridh 
ceistean  de'n  t-seorsa  sin  'nar  inntinnean,  ach 
cha'n'eil  e  furasda  freagradh  fhaotainn  dhaibh. 
Ann  an  aon  seadh  tha  Criosd  a'  teachd  daonnan, 
's  cha'n'eil  linnnach  fhaca  cuid  denageallaidhean 
air  an  comhlionadh.  Thainig  Criosd  air  ais 
cheana  'nuair  a  nochd  se  E  fein  do  na  deis- 
ciobuil  an  deigh  aiseirigh.  Thainig  Criosd  air 
ais  'nuair  a  bha  'n  eaglais  air  a  h'onadh  leis  an 
Spiorad  Naomh  air  la  na  caingeis.  Tha  E 
tigh'nn  air  ais  gach  uair  a  gheibh  an  rioghachd 
a  chuir  E  air  chois,  buaidh  air  an  t-saoghal. 
'Nuair  a  shoirbhicheas  obair  spioradail  sam  bith, 
faodar  a  radh — Tha  an  Tigheant'  a  teathd.  Ach 
cha  n-e  sin  an  dochas  a  bha  lasadh  ann  an 
cridhe  Phbil,  cha'n  e  sin  an  dochas  a  bha  'cumail 
beo  misneach  na  heaglais  oig.  Bha  iad  a'  seall- 
tuinn  airson  la  an  Tighearna,  anns  am  faiceadh 
an  sidkan.  an  Jiigh  'na  mhaise.  Cuin  a  thig  an 
latha  mor  sin,  cha'n  aithne  dhuinn  !  Thuirt 
Criosd  fhein — Air  an  la  na  air  an  uair  sin 
cha'n'eil  fhios  aig  diiin  air  bith,  cha'n'eil  eadhoin 
aig  ainglean  neimh,  no  aig  a'  Alhac,  ach  aig  an 
Athair  a  tnhain.  Tha  nithean  diomhair  ann  a 
bhuineas  do  Dhia.  Cha  bu  choir  dhuinne  bhi 
cosg  ar  saothair  air  nithean  nach  buin  dhuinn. 
Is  e  ar  dleasdanas-ne  's  ar  gliocas-ne  faire 
dheanamh,  chum  gu'm  bitheamaid  deas,  co  dhiu 
a  thig  esan  an  diugh  no  am  maireach.  Thig  la 
an  Tighearna  mar  ghaduiche  'san  oidhche.  Is 
beannaichte  an  seirbhiseach  sin  a  gheibh  a 
Thigh earna,  an  uair  a  thig  e,  a'  deanamh  faire. 
Biodh  ar  lochrain  daonnan  laiste.  ladsan  a 
bhios  dileas  anns  an  obair  a  dh'fhag  am  Maighstir 
aca,  cha  bhi  eagal  orra  roimh  'theachd.  Nan 
robh  fhios  agaibh,  arsa  caraid  ri  Iain  Wesley, 
g'un  tigeadh  am  bas  h-ugaibh  am  maireach, 
ciamar  a  chuireadh  sibh  seachad  an  uinc.  Mata, 
ars'  esan,  dheanainn  an  ni  a  gheall  mi  cheana 
'dheanamh:  shearmonaichinn  ann  an  Gloucester, 
rachainn  an  sin  gu  Tewkesbury  far  a  bheil  agam 
ri  searmonachadh  's  an  f  heasgar,  chuirinn  seachad 
an  oidhche  ann  an  comhradh  ri  m'  charaid 
Martainn,  rachainn  a  luidhe  an  deigh  an  aoraidh 
's  chaidlinn,  's  bhiodh  fiuthair  agam  gu'n  duisginn 
ann  an  gloir.  Esan  a  ni  toil  Dhe,  's  a  ni  an 
obair  a  thug  Dia  dha  ri  dheanamh  gu  dileas— 
tha  e  daonnan  deas  air  son  teachd  Chriosd. 
Maran  Ata.  Tha  ar  Tighearn'  a'  teachd. 
Tha  e  a'  tigh'nn  h-ugainn  an  diugh  ann  an 
trocair.  Tha  e  'na  sheasamh  aig  ar  dorus  'a 
bualadh.  Ma  dh'  fhosglas  sinn  an  dorus,  's  ma 
chuireas  sinn  eolas  air  a  nis,  cha  bhi  eagal  oirnn 


an  uair  a  thig  e  a  ris,  ann  an  gloir  an  Athar  le 
'ainglean  naomha. 


LEABHAR     URNUIGH     NOCS. 


Ged  a  tha  cainnt  nan  Gaidheal  anabarrach  aosda, 
cha'n'eil  cunntasagainn  gu'n  do  chuireadh leabhar 
Gaidhlig  riamh  ann  an  clb,  gus  a  bhliadhna  1567. 
Tha  gu  leoir  de  sgriobhaichean  Gaidhlig  a's 
sinne  na  sin,  ach  cha  robh  iad  air  an  cur  ann  an 
clo.  Tha  'n  t-urram  aig  leabhar  urnuigh  Noes — 
gur  h-e  a'  cheud  leabhar  a  chuireadh  a  mach 
ann  an  Gaidhlig. 

Sgriobh  Iain  Noes  an  leabhar  ann  an  1554, 
an  uair  a  bha  e  ann  an  Frankfort,  gu  bhi  'na 
chuideachadh  dha  fhein,  's  d'a  chomhthional  ann 
an  seirbhis  na  h-eaglais.  An  uair  a  thainig  e  air 
ais  do  dh'  Albainn  thug  e  leis  an  leabhar,  's  ged 
nach  tug  an  Seanadh  ughdarras  do  na  ministearan 
an  leabhar  ujsneachadh  ann  an  aoradh  gu  1564, 
tha  e  gle  choltach  gu  robh  iad  'ga  uisneachadh 
bliadhna  no  dha  roimhe  sin. 

Cha'n  'eil  fhios  againn  an  e  Noes  fhein  a 
chomhairlich  an  leabhar  a  thionndadh  gu 
Gaidhlig,  ach  co  dhiu  ghabh  Iain  Carswell — 
a  bha  'na  Easbuig  air  na  h-eileinean  mu'n  do 
shiubhail  e — an  obair  os  laimh.  Faodaidh  e  bhi 
gur  h-ann  ann  an  ceann  larla  Earraghaidheal  a 
bhuail  an  rud  an  toiseach,  oir  b'  aithne  do 
Charswell  e  gu  maith,  's  bha  'n  t-Iarla  anabarach 
eudmhor  air  taobh  na  h-eaglais,  's  air  taobh  a' 
chreidimh  Phrostanaich.  Aig  toiseach  an  leabh- 
air  tha  Carswell  a'  deanamh  moladh  nach  beag 
air  Tighearna  nan  Caimbeulach.  Ged  nach  robh 
gaol  aig  moran  de  na  Gaidheal  air  an  Easbuig, 
cha'n'eil  teagamh  nach  robh  maith  spioradail  na 
duthcha  aige  's  an  amharc  daonnan. 

An  Carsalach  mbr  th;a  'n  Carnasaraidh 
Tha  na  coig  cairt  'na  chasan 
Tha  dhroll  mar  dhruinnein  na  corra, 
'S  a  sgvoban  lorn,  gionach,  farsuinn. 

Mas  fior  am  bard,  cha  tugadh  a  choltas  an 
t-Easbuig  a  cuideachd.  Ach  cha  robh  dad  de 
bhoilich  ann.  Tha  e  'g  radh  aig  toiseach  an 
leabhair  nach  robh  a  Ghaidhlig  ro  mhaith  's  nach 
b'urrainn  e  dheanamh  achadhichioll — "adbhuim 
fein  fos  uireasbhuidh  mhor  do  bheith  orm  agcan- 
amhain  ghaoidhleige."  Ach  ars'  esan — "is  lor 
don  fhirinde  i  fein  mar  fhiadhnuise,  gun  brat 
oile  do  chiir  impe."  Bha  e'cur  dragh  air  inntinn 
gu  robh  na  Gaidheal  na  bu  toighiche  air  sgeul- 
achdan  faoine  mu  Fhionn  Mac  Cumhai),  na  bha 
iad  air  facal  na  firinn,  's  chuir  e  roimhe  gu'm 
faigheadh  iad  cothrom,  eolas  fhaotainn  'nan 
cainnt  fhein  air  seorsalitreachais  eile  a  b'  fheairrd 
iad.  B'e  sin  an  t-aobhar  gu'n  do  thionndaidh  e 
gu  Gaidhlig  leabhar  urnuigh  Noes. 


40 


Tha  tuilleadh  is  urnuighean  ann  an  leabhar 
Charswell.  Tha  gach  seoladh  ann  a  bhiodh 
feumail  do  mhinistearan  's  do'n  t-sluagh  anns  an 
latha  'san  do  chuireadh  ri  cheil  e.  Tha  aidmheil 
creidimh  ann,  tha  riaghailtean  ann  mu  dhreuchd 
na  ministrealachd,  mu  thaghadh  mhinistearan  is 
fhoirfeach,  mu  mhineachadh  nan  Sgriobtuirean 
naomha,  mu  Shacramaid  a'  Bhaistidh  's  mu 
shacraraaid  na  Suipearach,  seirbhis  phosaidh 
agus  nithean  de'n  t-seoisa  sin. 

Cha'n'eil  ach  h-aon  no  dha  de'n  leabhair  so 
an  diugh  a  lathair.  Cha'n'eil  ach  aon  fhear  dhiu 
nach  'ail  sracte,  's  tha  'm  fear  sin  air  a  ghleidh- 
eadh  gu  curamach  le  Diuc  Earraghaidheal  ann 
an  lonaraora.  Los  gu  faic  ar  luchd  leughaidh 
Gaidhlig  na  duthcha  ann  an  1567  cuiridh  sinn 
sios  urnuigh  an  Tighearna  mar  a  sgriobh  an 
Carsallach  i,  gun  alharrachadh  air  bith  : — 

Ar  nathairne  ata  ar  neamh  go  mo  beandaighte 
hainm,  go  dti  dod  righe  goma  denta  do  thoil 
adtalmhuin  mar  a  ta  ar  neamh,  tabhair  dhuinn 
anise  ar  naran  laitheamhail,  agus  maith  dhuinn 
ar  b  liacha  amhail  mhaithmaoidne  gar  bfeic 
heamhnuibh,  agus  na  leig  a  mbuaidhreadh  sind, 
acht  saor  sind  o  olc  :  oir  is  leatsa  an  righe, 
aneart,  agas  a  ngloir  tre  bhioth  fior. 

Tha  e  'cur  sios  mar  an  ceudna  modh  beannach- 
adh  luinge.  Cha  ruig  sin  a  leas,  a  chur  'na 
chainnt  fhein.     Tha  am  modh  mar  so — 

Abradh  an  stiiiramaiche :  Beannaichte  gu  robh 

ar  long 
Abradh   each.      Gu'm   beannaicheadh    Dia   an 

t-Athair  i 
Stiur.     Beannaichte  gu  robh  ar  long 

Gu'm  "beannaicheadh  losa  Criosd  i. 
Beannaichte  gu  robh  ar  long 
Gu'm  beannaicheadh  an  Spioradnaomh  i. 
Ciod  is  eagal  duibh  is  Dia  an  t-Athair 
leibh  ? 
Cach.     Cha'n  eagal  aon  ni 

Ciod  is  eagal  duibh  is  Dia  am  Macleibh? 

Cha  'n  eagal  aon  ni 

Ciod  is  eagail  duibh  is  Dia  an  Spiorad 


URNUIGH. 


Cach. 
Stiur. 
Cach. 
Stiur. 


Stiur. 
Cach. 
Stiur. 


naomh  leibh  ? 
Cach.     Cha'n  eagal  aon  ni. 

Urnuigh  aig  beannachadh  luinge  a'  dol  a  dh' 
ionnsuidhnafairge-  -"ADheuile-chumhachdaich, 
a  thug  clann  Israel  troimh  an  mhuir  ruadh  gu 
miorbhuileach,  a  thug  lonas  air  tit  a  broinn  na 
muice  mara,  agus  a  thearuinn  Pol  'sa  long  o 
dhoimhneachd  is  o  dhoinionn,  saor  sinne,  agus 
glan  sinn,  agus  beannaich  sinn  agus  thoir  dhuinn 
gaoithean  fabharach  gu  cuan  's  gu  cala  a  reir  do 
thoile  fein. 


Cha'n'eil  ni  idir  a's  cumanta  na  daoine  bhi 
deanamh  urnuigh,  's  gun  fiuthairaca  ri  freagradh. 
Cha'n  aidicheadh  iad  fhein  sin,  's  ma  dh'  fhaoite 
gun  cuireadh  e  iongantas  orra  nan  abradh  tu  riu 
e,  ach  is  e  smior  na  firinn  a  ih'  ann.  Nach 
minic  a  chuala  tu  duine  ag  innseadh  dhuit  mu 
uair  air  chor-eigin  a  fhuair  urnuigh  freagradh, 
mar  gu'm  bu  rud  neo-chumanta  agus  anabarach 
neonach  a  bh'  ann  !  Gu  de  a's  ciall  d'a  sin  ach 
nach  'eil  fiuthair  aig  daoine  'm  bitheantas  ri 
freagradh  ged  a  bhios  iad  ag  urnuigh.  Nam 
bitheadh,  cha'n  e  na  h-uairean  a  fhuair  iad 
freagradh  a  chuireadh  iongantas  orra,  ach  na 
h-uairean  nach  d'  fhuair.  Tha  moran  ag  urnuigh 
air  sgath  a'  chleachdaidh,  gun  fiuthair  ri  freag- 
radh, 's  nan  tigeadh  freagradh  a  dh'  aon  ruith, 
chuireadh  e  ioghnadh  cho  mor  orra,  's  nach 
rachadh  stad  air  am  beoil  gus  am  biodh  fhios 
aig  a  h-uile  duine  's  a'  choimhearsnachd  air. 

Is  e  ar  n-urnuighean  a  tha  'gar  cumail  dluth 
ri  Dia  agus  is  ann  o  dhluths  ris-san  a  tha  soirbh- 
eachadh  spioradal  a'  toiseachadh  Feumaidh 
creidimh  a  bhi  beo  ma'n  dean  e  maith  sam  bith 
dhuinn,  's  cha  ghabh  creidimh  cumail  beo  gun 
urnuigh.  Is  e  urnuigh  an  soitheach  leis  an  tog 
sinn  saoibhreas  neimh.  Is  e  urnuigh  an  ceangal 
a' tha  eadar  laigse  'n  duine  agus  cumhachd  Dhe. 
Bha  cho  mhaith  dhuinn  feuchainn  ri  deanamh 
as  eugmhais  Dhs  ri  deanamh  as  eugmhais 
urnuigh. 

Tha  urnuigh  ni's  fhasa  do  chuid  na  tha  e  do 
chuid  eile.  Direach  mar  a  iha  cuiid  ann  aig  a 
bheil  cluas  chiuil  o'm  breith,  's  cuidaig  nach  'eil, 
tha  daoin'  ann  aig  a  bheil  spiorad  na  h-urnuigh 
o'n  oige.  Tha  daoine  ann  aig  a  bheil  gibht  na 
spioradalach  o'n  oige  ann  an  tomhas  cho  mor  's 
gun  cuir  iad  car  de  dh'fharmad  oirnn.  Ach  mar 
a  d'thug  Dia  a  leithid  sin  do  nadur  dhuinne, 
deanamaid  a'  chuid  a's  fhearr  do'n  nadur  a 
th'againn.  Gabhaidh  urnuigh  ionnsachadh. 
Is  ann  uigh  ar  n-uigh  a  dh'ionnsaicheas  paisde 
bruidhinn.  Esan  a  theagaisgeas  dha  fhein 
urnuigh  a  dheanamh  mar  dhleasdanas,  cha'n 
fhada  gus  am  bi  urnuigh  dha  'na  sonas. 

Tha  cuid  an  duil  nach  'eil  feum  sam  bith  ann 
do  dhaoine  neo  iompaichte  a  bhi  'g  urnuigh. 
Cha'n'eil  fhios  agam  c'aite  'n  d' fhuair  iad  am 
beachd  neonach  sin,  ach  co-dhiu  cha  'n  ann 
anns   a'   BhiobulL  Eisdidh    Dia   ri    urnuigh 

dhurachdach  co  dhiu  a  tha  i  tigh'nn  o  chridhe 
peacaich  na  o  bhilean  naoimh.  Nan  abraimead 
atharrachadh,  bhitheamaid  a'  deanamh  Dhe  cho 
beag  rinn  fhein.  Bhitheamaid  a'  toirt  air  falbh 
a  mhaise.  Cha  robh  peacach  riamh  cho  deas 
gu  iarraidh  's  a  tha  Dia  gu  freagradh.  Chi  e  'n 
urnuigh  fad  as,  's  thig  e  'na  comhthal. 


Air.    11. 


1907. 


BRON    CHRIOSD. 


Mo  £>hia,  mo  Dhia,  carson  a  threig  thu  md- 
Matt    2746. 


EH,  Eli,  law  a  ^azabhtani.  —  Bhiodh  gradh 
againn  do'n  fhacal  so,  ged  nach  biodh  reusan 
sam  bith  air  ach  gu  bheil  sinn  cinnteach  gu'n  do 
chleachdadh  e  an  toiseach  air  bilean  a's  naoimhe 
no  ar  bilean-ne.  Cha'  n  'eil  moran  fhacal  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  mu'm  faod  sinn  a  radh  gur 
h-iad  na  ceart  fhacail  a  labhair  Criosd.  B'e 
cainnt  na  duthcha  Aramaic,  's  tha  an  Tiomnadh 
Nuadh  ail  a'  sgriobhadh  ann  an  Greugais. 
Cha  'n  'eil  againn  leis  a  sin  ach  eadar-theang- 
achadh  air  briathran  Chriosd.  Ach  tha  facal  no 
dha  air  am  fagail  anns  an  doigh  an  do  labhradh 
iad  an  toiseach,  agus  is  e  fear  dhiu  sin — Eli,  Eli, 
lama  'azabhtani.  Tha  sinn  an  comain  Mhata 
gu'n  doghleidh  e  air  chuimhn'  e,  's  gurh-urrainn 
sinn  a  radh — Labhair  bilean  Mhic  Dhe  an 
dearbh  fhacal  so. 

Seachd  uairean  thog  Esan  suas  a  ghuth  an 
uair  a  bha  e  air  a'  chrann-ceusaidh.  Is  e  so  an 
ceathramh  facal  a  labhair  e,  agus  mar  an  ceudna 
am  facal  a's  doimhne.  Tuigidh  sinn  gu  de  bha 
'na  inntinn  an  uair  a  rinn  e  'n  uirnigh — Athair 
thoir  maitheanas  dhaibh  oir  cha  'n  'eil  fhios  aca 
ciod  a  tha  iad  a  deanamh.  Ach  cha  'n  'eil  sinn 
idir  cinnteach  gu  bheil  sinn  a'  tuigsinn,  no 
gu'n  do  thuig  duine  riamh,  gu  de  bha  Esan  a' 
ciallachadh  'nuair  a  ghlaodh  e  ann  an  eigin 
anma — Mo  Dhia,  mo  Dliia,  carso?i  a  threig  thii 
7in  ?  Tha  am  facal  so  cho  domhain  's  nach 
grunnaich  sinn  ann,  cho  ard  's  nach  ruig  sinn 
air.  Tha  e,  mar  gu'm  b'  eadh,  a'  nochdadh 
cridhe  Dhe  dhuinn,  ach  cha  'n  fhaic  sinne  ach 
gu  dorcha  tre  ghloine.  Tha  e  'gar  toirt  aghaidh 
ri  aghaidh  ri  diomhaireachd  na  diadhachd. 
Cha  'n  'eil  duine  air  an  t-saoghal  cho  suarach  's 
nach  fhiach  eisdeachd  ris,  an  uair  a  dh'fhosglas 
e  'chridhe.  Ach  nach  motha  gu  mor  a  tha  sin 
fior,  an  uair  a  dh'  fhosglas  Mac  Dhe  a  chridhe 
's  a  chuireas  e  cainnt  air  faireachduinnean 
anma. 

Shineadh  losa  air  a'  chrann  mu  naoi  uairean 
'sa  mhaduinn.  Mu  mheadhon  la  thug  Eoin  air 
falbh  a  mhathair,  's  ged  nach  'eil  e  air  a'  radh 
leis  na  soisgeulaichean,  is  docha  gur  h-e  Criosd 
a  dh'  iarr  air  sin  a  dheanamh.  Tha  sinn  an  duil 
gu  robh  e  'na  bhoinne  anns  a'  chupan  a  dh'ol 
Esan — an  goirteas  a  bha  'na  chridhe  a  chionn  gu 
robh  Muire  a'  faicinn  fhulangais.  Mu  thri  uair- 
ean 'san  fheasgar,  chual  iadsan  a  bha  dluth  do'n 


chrann-ceusaidh  an  guth — Mo  Dhia,  mo  Dhia, 
carson  a  threig  thu  mi  Tha  am  facal  air  a' 
sgriobhadh  anns  an  dara  salm  far  an  fhichead. 
An  uair  a  thainig  an  Namhaid  'ga  ionnsuidh 
anns  an  fhasach  thubhairt  e — Cha'n  ann  le  aran 
a  mhain  a  thig  duine  beo,  ach  le  gach  uile 
fhacal  Dhe.  Bha  gradh  aig  losa  do  na  sgriob- 
tuirean,  's  le  facal  Dhe  bheathaich  e  anam  fhein 
re  a  chuairt  air  thalamh.  Bha  am  facal  sin  'na 
sholus  's  'na  neart  dha,  's  a  nis  an  uair  a  bha 
'chorp  air  a'  chrann,  bha  'n  t-salm  'na  chridhe. 
Chuir  e  fhaireachduinn  fhein  anns  na  seann 
bhriathran  air  an  robh  e  cho  eolach — Mo  Dhia, 
mo  Dhia,  carson  a  threig  thu  mi?  Gu  de  is 
ciall  da  ?  Gu  de  am  fiosrachadh  a  tha  fo  na 
facail  sin  ?  Gu  de  an  eigin  anma  air  a'  bheil 
iad  a'  cur  cainnte?  Ma  dh'  fhaoite  nach  urrainn 
sinn  gu  brath  a  thuigsinn — oir  b'e  sin  nadurDhe 
a  rannsachadh  gu  h-iomlan — ach  faodaidh  sinn 
ar  brogan  a  chur  dhinn  's  dol  a  steach  do'n 
ionaid  naomh  le  urrara,  's  mar  a  ruig  ar  reusan 
air  freagradh,  gheibh  ar  cridheachan  soluim- 
teachd  is  irisleachd. 

Cha  ' n  e  gealtachd  a  bli  air  Criosd  ri  aghaidh 
bais.  Cha  robh  eagal  air  roimh  phian  cuirp. 
Bha  e  'na  chleachdadh  aig  comunn  de  mhnath- 
an  caoimhneil  ann  an  lerusalem,  deoch  a 
mheasgadh  's  a  thoirt  dhaibhsan  a  bh'air  an  cur 
gu  bas  le  ceusadh,  gu  bhi  'toirt  uapa  am  fair- 
eachduinn,  's  a  lughdachadh  an  craidh.  Thairg- 
eadh  an  deoch  sin  do  Chriosd,  ach  dhiult  e  oL 
Ged  a  dh'  fhuiling  e  plan  mor,  cha  b'e  eagal 
roimhe  a  tharruing  an  glaodh  so  o  anam — Ma 
Dhia,  mo  Dhia,  carson  a  threig  thu  mi?  Nam 
b'e,  dh'  fhaodadh  a  naimhdean  a  radh  gu'n  do 
ghiulain  a  sheirbhisich  iad  fhein  ri  aghaidh 
gabhaidh  na  bu  mhisnicheile  no  am  Maighstir. 
Tha  e  air  a'  radh  mu'n  Naomh  Aindreas  gu'n  do 
theagaisg  e  'n  sluagh  fhad  'sa  bha  e  sinnte  air  a' 
chrann-ceusaidh.  Is  iomadh  a  h-aon  de  na 
martaraich  a  chaidh  an  coinneamh  bais  le  aoibh- 
neas  'nan  cridhe,  's  fonn  nan  salm  air  am  bilean. 
Ann  an  teis  meadhoin  an  teine  b'  urrainn  daibh 
a  radh — Cha  'n  'eil  mi  'nam  aonar  oir  tha  'm 
Athair  maille  rium. 

Cha  do  ghiulain  e  fearg  Dhe.  Bidh  daoine 
bruidhinn  air  bron  Chriosd  mar  gu'm  b'e  a  bu 
reusan  dha,  gu'n  do  las  corruich  Dhe  an  aghaidh 
a'  Mhic  an  uair  a  sheas  e  ann  an  aite  pheacacb, 
Cha  'n  'eil  sin  air  reir  nan  sgriobtur.  Cha  robh 
Dia  riamh  ann  an  gruaim  ri  Criosd,  oir  ciamar 
a  b'urrainn  fearg  a  bhi  air  an  Athair  an  aghaidh 
a'  Mhic  anns  an  robh  a  mhor  thlachd.  Cha. 
robh  am  Mac  riamh  cho  gradhach  's  cho  luach- 


42 


Tnhor  ann  an  suilean  an  Athar  's  a  bha  e  'nuair 
a  leigeadh  air  a'  chrann  e — umhul  gii  has. 
Thainig  Esan  a  dheanamh  toil  an  Athair;  b'e 
toil  an  Athar  gu'n  leigeadh  e  sios  a  bheatha,  's 
bhiodh  e  gle  iongantaCh  nam  biodh  fearg  air 
Dia  ris  anns  an  dearbh  uair  sin  anns  an  robh 
e  a'  deanamh  a  thoile. 

Cha  robh  Criosd  air  a  mhealladh  an  uair  a 
ihuirt  E — Mo  Dhia,  mo  Dhia,  carson  a  threig 
thu  mi?  Their  cuid  nach  do  threig  an  t- Athair 
am  Mac  idir,  ach  gu'n  do  chaill  am  Mac  a 
chreidimh  car  uine  bhig,  's  gu'n  do  shaoil  e  gu'n 
do  threig  Dia  e.  Tha  sin  car  coltach,  gu  son- 
ruichte  'nuair  a  chuimhnicheas  sinn  gur  h-iomadh 
uair  a  bhios  daoine  diadhaidh,  'nuair  a  thig  bron 
mor,  no  trioblaid,  no  pian  nan  caramh,  an  duil 
gu'n  do  threig  Dia  iad,  's  a  labhras  iad  briathran 
ann  an  am  an  caraid  nach  abradh  iad  a  rilhist 
air  son  an  t-saoghail.  Ach  ma  bheachdaicheas 
sinn  air  a'  chuis  na's  doimhne  chi  sinn  nach  'eil 
sin  ach  a'  deanamh  an  dorchadais  ni's  duirche. 
Tha  e  'na  aidmheil  gu  robh  Criosd  air  a  mheall- 
-adh,  's  gu'n  do  chuir  e  as  leth  an  Athar  a  bhi 
■deanamh  rud  nach  do  rinn  E  idir.  Co  a  ghabh- 
adh  air  fhein  a  leithid  sin  a  radh?  B'aithne 
do  'n  Mhac  an  t-Athair  mar  nach  b'  aithne 
do  na  naoimh,  no  do  na  faidhean  no  do  na 
h-Abstoil  e,  's  nuair  a  tha  e  'g  radh  ni  sam  bith 
mu'n  Athair  feumaidh  sinn  gabhail  ri  fhacal  air 
■cho  duilich  's  cho  diomhair  's  gam  bi  e.  An 
uair  a  tha  Criosd  ag  radh — AIo  Dhia,  mo  Dhia, 
xarson  a  threig  ih  u  mi  ?,  faodaidh  sinn  a  bhi 
■cinnteach  gu'n  do  labhair  e  ni  a  bha  fior  's  gu'n 
do  chaill  e  sealladh  air  gnuis  Dhe  da  riteadh. 

Tha  e  moran  ni's  usa  innseadh  an  ni  nach 
robh  Criosd  a'  ciallachadh  na  tha  e  radh  gu  de 
a  b'  aobhar  do'n  bhron  anma  so.  Tha  inntinn 
rnhic  an  duine  beag,  's  tha  diomhaireachd  na 
diadhachd  mor.  Cha  'n  aithne  dhuinn  ach  ann 
an  cuid.  Bha  ni  eigin  'na  bhas-san  a  tha  'ga 
dhealachadh  o  bhas  dhaoin'  eile.  Dh' f  hiosraich 
e  uamhas  air  chor-eigin  nach  d'  f  hiosraich  neach 
roimhe  no  na  dheigh.  Shiubhail  e  air  rathad 
■iiir  nach  do  choisich  cas,  's  nach  faodar  a  lean- 
tuinn.  ShaJtair  e  an  t-amar-fiona  na  aonar  h 
xle  na  sloigh  cha  robh  aon  neach  maille  ris. 
Ghiulain  e  peacadh  an  t-saoghail  'na  chorp  fein 
air  a'  chrann,  agus  is  e  h-aon  de  thoraidhean  a' 
-pheacaidh — dealachadh  o  Dhia — Dh'  fhairich  an 
.^lanuighear  an  dealachadh  sin,  chaill  e  a  cho- 
chomunn  ris  an  Athair,  's  bha  sin  'na  leithid  de 
shaighead  'na  anam  's  gu'n  do  ghlaodh  e  'na 
eigin — Mo  Dhia,  mo  Dhia,  carson  a  threig  this 
mi?  Is  e  Dia  grian  an  anma,  's  bha  Criosd  a' 
gluasad  cho  dluth  ri  Dia  ann  an  laithean  fheola 
''s  nach  do  chaill  e  riamh  solus  na  greine,  ach  an 
uair  a  bhlais  e  am  bas  sin  a's  e  tuarasdal  a' 
pheacaidh,  chaill  e  sealladh  air  aghaidh  Dhe — 
agus  do  dhuine  naomh  is  e  call  lathaireachd 


Dhe  olc  a's  truime  agus  buille  a's  goirte  a's 
urrainn  tigh'nn  'na  charamh.  Fad  a  bheatha 
b'urrainn  e  radh — Is  e  mo  bhiadh  's  mo 
dheoch,  toil  an  Athair  a  dheanamh — Cha  'n  'eil 
mi  'nam  aonar,  tha  'n  t-Athair  maille  rium,  ach 
a  nis  air  dha  bhi  air  a  dheanamh  'na  mhallachd 
air  ar  son-ne,  's  ar  peacanna-ne  a  ghiulan  'na 
chorp  fhein,  b'  eigin  dha  dol  troimh  ghleann  a' 
bhais  'na  aonar,  as  eugmhais  na  lathaireachd  sin 
a  bha  daonnan  maille  ris  's  a  bha  dha  'na 
bheatha  's  'na  sholas.  Faodaidh  sinn  da  ni 
fhoghlum  uaith  so — 

(i)  Gradh  an  t-Slanuighear  ann  a  bhi  fulang 
fiosrachadh  anma  cho  goirt  airson  a 
bhraithrean. 
Olcas  a'  pheacaidh  ann  a  bhi  sgaradh  an 
duine  bho  Dhia — a'  chumhachd  uamh- 
asach  a  th'aige  air  milleadh,  'nuair  a 
thairngeas  e  'n  glaodh  o  'n  anam — Mo 
Dhia,  mo  Dhia  carson  a  threig  thu  mi? 


(2) 


AM    bAs. 


Tha  fhios  againn  nach  b'urrainn  sinn  dad  iir 
a  radh  air  a'  chuspair  so,  ged  a  dh'  fheuchamaid 
ri  sin  a  dheanamh.  Ach  cha'n  ann  gu  bhi  'g 
radh  nithean  lira  tha  sinn  a'  deanamh  iomraidh 
air,  ach  a  chionn  gu  bheil  sinn  cinnteach  nach 
mor  d'ar  luchd  leughaidh  nach  d'  fhiosraich 
cheana  'nam  beatha  fhein  a  bheag  no  mhor  de 
dhorchadas  's  de  ghoirteas  a'  bhais.  Cha  mhor 
theaghlaichean  a  thainig  gu  aois  nach  fhaca  am 
bas  a  tigh'nn  a  dh' ionnsuidh  an  doruis;  agus 
fada  ma  ruig  duine  feasgar  a  bheatha,  bidh  an 
dara  leth  d'a  chairdean  air  taobh  thall  na 
huagha. 

Chaidh  moran  a  labhairt  'sa  sgriobhadh  mu'n 
bhas  ach  tha  e  fhathast  'na  dhiomhaireachd 
mhor.  An  uair  a  dh'  fhagas  an  l-anam  an  corp, 
gu  de  tha  tachairt?  C  aite  bheil  an  t-anam  a' 
dol  ?  Tha  leabhar  nan  ceist  ag  radh  gu  bheil 
anma  nan  creidmheach  air  an  deanamh  iomlan 
ann  an  naomhachd  aig  uair  am  bais,  's  gu  bheil 
iad  's  an  uair  sin  fhein  a'  dol  a  steach  do  ghloir. 
C'aite  bheil  anma  nan  aingidh  a  dol?  A'  bheil 
an  dealachadh  air  a  dheanamh  aig  uair  a'  bhais 
no  an  toirear  a  mach  am  binn  gu  la  a'  bhreith- 
eanais?  An  uair  a  thilgeas  duine 'n  deo,  gu 
de  an  seorsa  saoghail  a  tha  fosgladh  roimhe? 
C'ait  a  bheil  e  'faotainn  aite  comhnuidh  anns  a' 
chruthachadh?  A  bheil  cuimhn'  aige  air  na 
dh'  fliag  e  'na  dheigh,  no  a'  bheil  dealachadh  tur 
eadar  an  da  shaoghal.  Gu  de  nadur  na  staid 
sin  eadar  am  bas  's  an  aiseirigh  ?  Ma  dh'eireas 
an  corp  's  gu'm  bi  e  air  aonadh  ris  an  anam, 
c'aite  bheil  an  t-anam  fhad  'sa  tha  'n  corp  san 
uaigh,  no  gu  de  nadur  na  beatha  th'  aige?     Tha 


43 


lomadh  ceist  de'n  t-seorsa  sin  a  thig  gu  ar  n-inn- 
tinn  an  drasd  'sa  rithist,  ach  cha'n  'eil  a'  bheag 
de  sholus  ri  fhaotainn  Ged  a  sheol  na  miltean 
■o  chladach  an  t-saoghail  so,  's  a  rainig  iad  an 
taobh  eile,  cha  do  chuir  iad  riamh  guth  air  ais  a 
dh'  innseadh  dhuinne  mu'n  cor.  Am  b'  urrainn 
•dhaibh  sin  a  dheanamh?  Nam  b'urrainn,  gu  de 
a's  coireach  nach  do  rinn  iad  e  ?  Bha  Lazarus 
■ceithir  laithean  ann  a  staid  a'  bhais,  ach  ged  a 
thill  e  air  ais,  bha  'bhilean  duinte.  Ma  bha  dad 
.aige  ri  innseadh,  chum  e  air  fhein  e. 

Cha  d'  thuirt  Cviosd  moran  mu  bhas  a'  chuirp. 
Is  ann  mu  bhas  eile  a  b'u  trice  labhair  e.  Cha 
robh  ann  am  bas  a  chuirp  'na  shuilean-san  ach 
•cadal — ni  a  tha  nadurra  gu  leoir.  Tha  e  fior  gu 
bheil  an  samhladh  sin  ri  fhaotainn  ann  an 
litreachas  fada  roimh  latha  Chriosd,  ach  ma  tha, 
bha  na  daoin'  a  chleachd  e  a'  ciallachadh  leis — 
cadal  gun  dusgadh — cadal  a  mhaireadh  fad  na 
linntean  siorruidh.  Cha  b'e  sin  a  bha  Esan  a' 
■ciallachadh  'nuair  a  thuirt  e  mu'n  nighinn  oig — 
cha'n 'eil  i  marbh,  ach  tha  i  'na  cadal — 's  a 
thuirt  e  mu  Lasarus — Tha  ar  caraid  Lasarus  'na 
■chadal,  ach  a  ta  mise  'dol  chum  gu'n  duisg  mi 
as  a  chadal.  Tha  an  Tiomnadh  Nuadh  a' 
labhairt  mu'n  bhas  mar  chadal  cho  bitheanta  's 
gu'n  d'thuirt  an  naomh  Augustine  an  uair  a 
bheachdaich  e  air  an  rud — Carson  a  theirear  gu 
bheil  iad  'nan  cadal,  ach  a  chionn  gu'n  duisg  iad 
ann  an  la  an  Tighearna. 

Tha  dorchadas  cho  tiugh  mu'n  bhas  's  gu'n 
tugadh  duine  a  mhaoin  uile  nan  ceannaicheadh 
sin  dha  solus.  O  thoiseach  an  t-saoghail  bha 
reusan  an  duine  a'  gleachd  ris  a'cheist  mhoir  so. 
Thuirt  Socrates  o  chionn  nan  ceudan  bliadhna 
na's  urrainn  inntinn  an  duine  ruigheachd  air  'na 
neart  fhein — Dhomhsa  tha'm  bas  air  orduchadh 
agus  dhuibhse  beatha,  ach  co  dhiu  a's  fhearr,  is 
ann  a  mhain  aig  Dia  tha  fios.  Ach  o  laithean 
an  duine  ghlic  sin,  thainig  solus  a  dh'ionnsuidh 
an  t-saoghail.  Labhair  Mac  Dhe  ruinn,  's  thug 
e  dhuinn  am  facal  priseil  sin — JNa  biodh  'tir 
iridhe  Jo  thrioblaid^  ann  an  tigh  ;«'  athar  sa  tha 
iomadh  aite  comhnuidh :  far  am  bi  mise  bidh 
sibhse  mar  an  ceudna.  Nach  iomadh  mile  anam 
da'n  robh  na  briathran  so  'nam  beatha  's  nan 
neart,  a'  toirt  a'  ghath  as  a  bhas,  's  a'  tionndadh 
Righ  nan  uamhas  gu  bhi  'na  aoibhneas,  's  cha- 
nann  'na  eagal,  a  chionn  gu  robh  iad  cinnteach, 
air  dhaibh  a  bhi  air  choigrich  as  a'  choluinn 
gu'm  biodh  iad  maille  ri  Dia.  Cha'n  'eil  am 
BiobuU  ag  innseadh  moran  dhuinn  mu  staid 
nam  marbh,  ach  is  leoir  na  tha  e  'g  innse — lad- 
san  a  chaidkas  ann  a7i  losa  bheir  Dia  maille 
ris.  Tha  iad  comhla  ris-san.  Tha  iad  air  an 
gleidheadh  'na  churam-san.  Cha  bhris  am  bas 
an  ceangal  a  bha  eadar  an  t-anam  is  Dia  anns  a' 
bheatha  so.  Is  beatha  shiorruidh  a'  bheatha 
tha  Criosd   a'  buileachadh  orrasan  a  chreideas 


ann,  's  ged  a  thuiteas  an  cuirp  do'n  uaigh  cha 
bhean  am  bas  ris  a'  bheatha  sin.  Cha  'n  'eil 
cumhachd  aige  thairis  oirre.  Tha  i  maireannach 
mar  bheatha  Dhe. 

Tha  aon  de  na  seann  diadhairean  ag  radh 
gu'm  bu  choir  do  dhaoine  am  bas  a  ghleidheadh 
fa  chomhair  an  inntinn  a  h-uile  mionaid  de'n 
latha.  .  Cha'n  'eil  sinn  'an  duil  gu  bheil  e  ceart. 
Ma  dh'  fhaoite  gu'n  deanadh  e  maith  do  chuid, 
ach  dheanadh  e  olc  do  chuid  eile.  Bhiodh  e 
dhaibh  na  leithid  de  thruime  's  nach  b'  urrainn 
dhaibh  an  obair  a  dheanamh.  Ach  air  a  shon 
sin,  cha  bu  choir  do  dhaoine  an  smaoin  a  chur 
uapa  uile  gu  leir.  Tha  'm  bas  na  ni  cho  cinn- 
teach 's  cho  soluimte  's  gu'm  bu  choir  dhuinn  ar 
n-inntinnean  a  chleachdadh  ris — gu  bheil  e  air 
thoiseach  oirnn  uile.  Cha'n 'eil  sin  furasd  a 
dheanamh.  Tha  sinn  cho  di-chuimhneach. 
Leughaidh  sinn  na  briathran,  's  eisdidh  sin 
riutha  an  uair  a  leughas  duin'  eile  iad — Tha  gach 
uile  fheoil  mar  fheur,  agiis  uile  ghloir  dhaoitie 
mar  bhlath  a7i  fheoir.,  ach  cha 'n 'eil  iad  a' dean- 
amh  greim  air  ar  cridheachan.  Bhiodh  e  gu 
buanachd  dhuinn  nan  abramaid  ruinn  fhein — 
Tha  sin  fior  mu'm  bheatha-sa,  tha  mo  laithean 
a'  dol  seachad  mar  shruth  's  cha'n  fhada  gus  an 
cruinnich  cairdean  gu  bhi  'g  iocadh  dhomh  an 
dieasdanas  deireannach  mar  a  rinn  mi  fhein 
cheana  do  mhoran  eile. 

Ged  a  tha  'm  bas  na  ni  caomhal  do  mhoran, 
tha  e  'na  chuis  eagail  do  chuid  eile.  ladsan  aig 
a  bheil  fiuthair  gu'n  coinnich  caraid  iad  air 
taobh  thall  na  h-aibhne,  cha'n 'eil  iongantas  ged 
a  dhunadh  iad  an  suilean  ann  an  sith,  'sa  rach- 
adh  iad  an  coinnearah  na  namhaidh  dheireann- 
aich  gun  fhiamh,  gun  eagal. 

Ach  mur  'eil  an  dochas  sin  aig  duine  's  mur 
h-urrainn  e  a  radh — Tha  fhios  again  co  ann  a 
chreid  mi,  tha  'm  bas  'na  ni  searbh.  Is  e  am 
peacadh  gath  a'  bhais,  's  mur  eil  companach  aig 
duine  an  uair  a  tha  e  fagail  an  t-saoghail  ach  a 
pheacanna  fhein,  an  ioghnadh  ged  a  bhiodh 
eagal  air,  's  ged  nach  biodh  fois  aig  a  spioraid. 
Tha  an  t-aingidh  mar  mhuir  buairte  nach  gabh 
fois.  Ann  an  stri  ar  beatha,  aig  uair  ar  bais,  's 
ann  an  la  a'  bhreitheanais,  a  Thighearna,  cuimh- 
nich  trocair  I 


AN   SEANGAN. 


Ged  a  mholas  luchd  teagaisg  an  seangan  cha  'n 
'eil  ro  mhoran  meas  againn  fhein  air  a'  chreutair 
bheag  sin.  Cha  'n  'eil  sinn  ag  radh  nach  'eil  e 
cho  glic  'sa  chuirear  as  a  leth,  ach  ma's  maith  ar 
barail,  cha  'n  'eil  sin  an  ain  fhios  dha  fhein. 
Tha  sinn  an  duil  gu'n  cual  e  air  doigh  air  chor- 
eigin  gu  de  a  thuirt  Solaimh  uime,  agus  o'n  latha 
fhuair  e  teisteanas  o  laimh  an  righ,  tha    e    cho 


44    ' 


uaibhreach,  ard-inntinneach  's  ged  nach  robh 
duine  no  beathach  a  rinn  riamh  obair  latha  ach 
e  fhein.  "Amhairc  air  an  t-seangan,  a  leisginn; 
thoir  fa'near  a  shlighean  agus  bi  glic;  aig  nach 
'eil  fear-seolaidh,  fear-amhairc,  no  riaghlair;  a 
dh'uilluicheas  a  bhiadh 'san  t-samhradh  agus  a 
chruinnicheas  a  theachd  an  tir'san  fhogharadh." 

An  uair  a  bha  sinn  anns  an  sgoil  Shabaid 
theapadh  arbodhradhlecliu  an  t-seangain.  Cha 
robh  latha  nach  bidhte  'ga  choimeas  ruinn 
fhein,  agus  daonnan  is  e  an  seangan  a  gheibh- 
eadh  a'  chuid  a  b'  fhearr.  Chuala  sinn  a  leithid 
de  dh'  iomradh  air  a  dhichioll  is  fhearas-tighe  's 
gu'n  do  ghabh  sinn  seorsa  de  ghrain  air.  Bhiodh 
e  'na  thoileachadh  dhuinn  a  chluinntinn  gu  robh 
eadhoin  aon  fhailing  fuaighte  ris.  Cha  robh 
sinn  an  duil  gu  robh  feum  sam  bith  anns  a' 
chreutair  shuarach,  ach  gu  bhi  'ga  thilgeil  air 
cloinn.  Cha  do  rinn  an  seangan  dad  cearr 
riamh — cha  deachaidh  e  riamh  air  cheilidh — o 
mhoch  gu  anmoch  dh'  obraicheadh  e — cha 
bhiodh  e  mionaid  'na  thamh — cha  robh  e  riamh 
gun  a  leasan;  ma  chual  sinn  sin  aon  uair  chuala 
fichead  uair  'san  t-seachduinn  gus  mu  dheireadh 
an  d'  fhas  sinn  car  sgith  do'n  t-seangan — dean- 
adach,  grunndail,  glic,  saoghalta  's  ga  bheil  e. 

Ach  tha  seangain  is  seangainn  ann.  Tha  cuid 
dhiu,  gun  teagamh,  'nan  creatuirean  dichiollach, 
a'  cosnadh  an  loin  le  fallus  an  gruaidhe,  ach  tha 
seors'  eile  dhiu  cho  leasg,  diomhanach,  's  nach 
b'  urrainn  do  luchd  teagaisg,  gu  coguiseach,  iarr- 
aidh  air  an  oigridh  an  eiseimpleir  a  leantuinn. 
Cha  dean  iad  car  obrach,  's  gach  latha  de'm 
beatha  feumaidh  gille  bhi  'nan  cpis.  Faodaidh 
nach  h-e  'n  leisg  a's  coireach  uile  gu  leir,  ach  an 
t-uabhar.  Tha  seorsa  sheangan  ann  a  th  'air  an 
cur  a  mach  mar  shaighdearan.  Is  ann  aca-san 
a  tha  an  nead  ri  dhion  o  naimhdean  's  o  mheir- 
lich.  Ni  iad  cogadh,  ach  cha'n  fhiach  leo  dad 
eile  a  dheanamh.  Eadar  an  leisg  's  an  t-uabhar, 
cha  chuir  iad  an  lamh  ri  obair  sam  bith  ach 
cogadh.  Cha  ghlan  iad  an  tigh,  cha  siubhail 
iad  airson  bidh,  cha  toir  iad  aire  do  na  seangain 
bheaga,  cha  ghabh  iad  am  biadh  gun  seirbhisich 
a  bhi  frithealadh  dhaibh.  Direach  mar  a  b' 
abhaist  do  na  daoine  geala  deanamh  air  na 
daoine  dubha,  beiridh  na  seangain  chogaidh  air 
truaghain  bheag  eile,  's  le  lamhachas  laidir 
bheir  iad  orra  bhi  'nan  traillean  dhaibh.  'N  uair 
a  gheibh  h-aon  de  na  trailleau  am  bas  tha  na 
saighdearan  cho  uaibhreach  's  nach  ruig  iad  leo 
a  bhi  air  an  tiodhlacadh  's  an  aon  chlaodh  riutha 
fhein.  Air  iomadh  doigh  tha  na  seangain  gle 
choltach  ris  na  daoine,  's  nan  robh  fhios  againne 
'nuair  a  bha  sinn  'san  sgoil  shabaid  air  gnaths 
nan  creatuirean  sin  mar  a  th'  againn  an  diugh 
cha  ruigeamaid  le  ar  luchd  teagaisg  uiread  de 
bhoilich  a  dheanamh  umpa.  Ma's  fior  na 
theirear  ni  iadsan  cluich  cho  iollagach  'sa  ni 
cuid  dhiu  obair,  's  neo  ar  thaing  nach  toigh  leo 
dan  n  sad  h. 


NA   SAILM. 


Ann  an  leabhar  nan  salm  tha  gach  seorsa  ciuil 
a's  urrainn  tigh'nn  a  cridhe  'n  duine,  'nuair 
a  tha  lamh  Dhe  a'  beantail  ris  na  teudan. 
A'  bheil  leabhar  eile  's  an  t-saoghal  coltach  ris? 
Cha  luidh  aois  air,  's  tha  e  na  mhanna  iir  do  na 
miltean  cridhe  an  diugh  an  de  is  gu  siorruidh. 
Cha  'n  'eil  staid  anns  am  bi  an  t-anam,  nach  'eil 
ni  air  chor-eigin  freagarrach  dha  anns  na  Sailnu 
Ma  tha  e  aoibhneach,  co-fhreagraidh  na  sailm 
d'a  ghairdeachas,  's  ma  tha  e  dubhach  trom — 
nach  ann  an  cainnt  nan  salm  a  chuireas  e  'n 
ceill  a  bhrbn.  Is  e  na  sailm  leabhar-urnuigh  is 
leabhar-molaidh  a  chinne-daona.  Tha  iad  'nan 
sgathan  anns  a  faic  an  duine  'chridhe  fhein. 
Tha  iad  a'  cur  ann  an  cainnt  smaointean  is 
faireachduinnean  a  tha  cumanta  dhuinn  uile  ach 
do  nach  b'  urrainn  sinn  teangadh  'thoirt.  Is  e 
na  sailm  cainnt  mhathaireil  a'  chridhe.  Aig 
breith  is  baisteadh  is  posadh  is  bas,  seinnear  na 
sailm.  Cha  bhuin  iad  do  dh'  eaglais  seach 
eaglais,  do  dhuthaich  seach  duthaich.  Faodaidh 
Prostanach  is  Papanach  breith  air  laimh  air  a 
cheile  trasd  air  leabhar  nan  salm.  Cha'n  aithne 
dhaibh  eadar  dhealachadh  creud.  Tha  iad  cho 
farsuinn  ri  cridhe  Dhe.  Nan  tigeadh  Papanach 
a  steach  do  dh'  aon  de  na  tighean  aoraidh 
Prostanach  is  docha  nach  cordadh  an  searmon 
ris, 's  ma  dh'fhaoite  nachbu  toigh  leisarlaoidhean, 
ach  'nuair  a  sheinnte  na  sailm  bhiodh  e  aig  an 
tigh.  Bhiodh  iad  dhafan  'nan  Ion  cho  mhaith 
's  a  tha  iad  dhuinne.  Tha  iad  nan  sgiathan  air 
an  eirich  an  t-anam  suas  gu  Dip. 


AN    INNTINN    LAGHAIL. 


Ged  is  maith  an  ni  ceartas  faodaidh  duine  iodhal 
a  dheanamh  dheth.  Chuala  mi  iomradh  air 
duine  a  bha  anabarach  curaraach  mu  litir  an 
lagha.  B'e  an  aon  sgriobtuir  aige — Thugaibli 
do  na  h-uile  an  dlighe  fein.  La  air  chor-eigin 
dhichuimhnich  e  e  fhein  cho  mor  's  gu'n  do 
nochd  e  trocair  do  cho-chreutair  bochd,  's  chuir 
an  gniomh  sin  a  leilhid  de  naire  air,  's  gu'n  do 
chuir  e  lamh  'na  bheatha  fhem.  Saoilidh  sinn 
cu  bheil  an  rud  eucomasach,  ach  tha  cuid  de 
dhaoin'  ann  a  tha  cho  cruaidh  orra  fhein  'nuair 
a  theid  iad  as  cionn  ceartais  's  a  bhitheadh  iad 
nan  rachadh  iad  foidhe.  Litir  an  lagha — gun 
leth  an  oirlich  taobh  seach  taobh— is  e  sin  an 
aon  ni  a's  maith  leotha.  Ni  iad  an  ni  a  tha 
ceart  ach  cha  dean  iad  an  gniomh  trocaireach. 
Bheir  iad  dhuit  an  tomhas  ach  cha  toir  iad  dad 
leis  a'  bhargain.  Nach  bu  bhochd  cor  an  t- 
saoghail  nan  robh  'n  inntinn  laghail  aig  Criosd. 
Tha  Esan  ceart  a  chionn  gu  bheil  e  trocaireach. 
Is  e  trocair  a's  airde  na  ceartas.  Ni  trocair 
gairdeachas  an  aghaidh  breitheanais. 


Air.    12. 


1907. 


AN    T-OLLA   BLARACH. 


Xe  bas  an  011a  Bhlaraich  chaill  Eaglais  na 
h-Alba  ministear  maith,  is  chaill  a'  Ghaidheal- 
lachd  deagh  charaid.  Cha  mhor  de  mhuinntir 
na  Gaidhealtachd  do  nach  b'  aithn'  e,  's  cha 
mhor  mhinistearan  a  fhuair  riamh  meas  is  gradh 
^  luchd-duthcha  mar  a  fhuair  esan. 

Bha  e  tri  fichead  bliadhna  'sa  deich  a  dh'  aois, 
s  bha  e  da  fhichead  bliadhna  's  a'  mhinistreil- 
eachd.  Bha  e  bliadhna  's  an  Tairbeart,  tri 
bliadhna  deug  an  Glascho,  deich  bliadh- 
na an  Cambuslang,  is  coig  bliadhna  deug 
an  Duneideann.  Anns  gach  ait'  an  robh  e 
riamh  air  a  shuidheachadh  rinn  e  obair  mhaith, 
ach  is  e  na  bliadhnachan  a  chuir  e  seachad  ann 
an  Glascho  a  tharruing  'ga  ionnsuidh  aire  na  h- 
eaglais,  ^sa  choisinn  dha  deagh  ghean  agus 
gradh  nan  Gaidheal.  Cha  'n  'eil  ioghnadh  ged 
a  bha  meas  ac'  air.  Bha  e  'na  shearmonaiche 
durachdach,  's  'na  aodhair  dichiollach.  Bha 
chridhe  farsuing  's  a  lamh  fialaidh.  Bha  e  deas 
gu  freasdal  a  dheananih  air  daoine  bhiodh  'nan 
eiginn,  's  bha  thigh  'sa  phoca  daonnan  fosgailte. 
Cha  bu  leisg  leis  dragh  a  ghabhail  as  leth  luchd 
duthcha  a  bhiodh  air  dhroch  caramh  'sa  bhaile 
mhor.  Bha  e  da  rireadh  'na  dhuine  coir,  's  bha 
flath  'na  aodann  a  bheireadh  togail  cridhe 
dhaibhsan  a  rachadh  a  dheanamh  an  gearain  ris. 

Ged  nach  robh  e  'na  sgoileir  Gaidhlig,  cha 
mhor  dhaoine  labhradh  cho  fileanta  's  cho  blasda 
ris.  Shaoileadh  Gaidheal  Ghlascho  nach  biodh 
an  coinneamhan  caidreach  ceart  mar  a  biodh 
an  T-OUa  Blarach  am  measg  na  cuideachd.  Bha 
e  Ian  de  dh'  fhearas-chuideachd,  b'  aithne  dha 
gu  maith  a  luchd  duthcha,  's  cha  do  chuir  e 
riamh  airfalbh  iad  diumbach.  'Nuair  a  chluinnte 
gu  robh  e  dol  a  bhi  searmonachadh  an  Glascho, 
fad  an  deigh  dha  eaglais  Chalum-cille  fhagail, 
bhiodh  an  eaglais  'sam  bitheadh  e  Ian.  Rachadh 
na  Gaidheal  'ga  eisdeachd  'nan  ceudan.  Ann 
an  comhairle  na  h-Eaglais  bha  fhacal  a'  dol  gu 
maith  fada  ann  an  nithean  a  bhuineadh  do'n 
Ghaidhealtachd.  Ged  a  chuir  e  seachad  a  chuid 
a  bu  mhotha  de  bheatha  'san  taobh  a  deas,  a' 
frithealeadh  de  choimthionailean  Beurla,  is  ann 
mar  shearmonaiche  Gaidhlig  a  b'  eolaiche  an 
duthaich  air,  agus  is  e  obair  airson  na  h-eaglais 
anns  a'  Ghaidhealtachd  a  choisinn  dha  meas  is 
cliu.  O  chionn  bliadhna  no  dha  bha  e  air  a 
mhonmur  nach  b'  fhada  'n  uine  gus  am  biodh 
e  air  a  ghairm  gu  caithir  an  Ard-Sheanaidh. 
Bha  e  'na  mhinisteir  maith,  'na  charaid  caomh. 


's  na  dhuine  diadhaidh.  Dh'  fhiosraich  e  dill- 
eachdain  agus  banntraichean  'nan  trioblaid.  Is 
iomadh  cridhe  leigheis  e,  agus  a  nis  tha  iomadh 
cridhe  anns  gach  cearn  de'n  duthaich  air  a 
ghoirteachadh  le  naigheachd  a  bhais.  Is  fhada 
bhios  cuimhne  air  an  duine  bheannaichte. 


AN    SAOIBHREAS    CEART. 


Fhuair  an  duine  saoibhir  bas. — Luke  xvi.,  22. 

Carson  a  labhair  Criosd  an  cosmhalachd  so? 
Chuir  an  soisgeulaiche  Lucas  sios  e  as  deigh 
cosmhalachd  an  stiubhaird  eujoraich,  agus  tha 
e  gle  choltach  gu'n  do  rinn  e  sin  a  chionn  gu 
robh  e'n  duil  gu  bheil  ceangal  air  choreigin  eadar 
an  da  chosmhalachd.  Tha  cheud  chosmhalachd 
a'  teagasg  gur  h-urrainn  daoine  feum  mor  a 
dheanamh  de  shaoibreas,  's  tha  'm  fear  eile 
teagasg  gur  truagh  a  bhios  cor  nan  daoine  a  ni 
dearmad  air  feum  maith  a  dheanamh  de  'n 
mhaoin  a  fhuair  iad.  Rann  no  dha  roimhe  so 
labhair  Criosd  na  briathran — An  ?ii  si?i  a  ta  ro 
mheasail  aig  daoine,  is  graineileachd  e  am  fianuis 
De,  agus  cha  b'  urrainn  searmon  a  bhi  air  a' 
labhairt  o'n  cheann  teagaisg  sin  a  bu  drudhtiche 
na'n  cosmhalachd  so.  Agus  an  uair  a  leughas 
sinn  e  thig  na  briathran  gu'r  n-inntinn — Ciod  an 
tairbhe  bhiodh  ann  do  dhnine,  an  saoghal  uile 
chosnadh  agus  anam  fein  a  chall. 

I.  Cha  'n  'eil  an  cosmhalachd  so  a'  toirt  dliuinn 
foillseachadh  air  a'  bheatha  ta  ri  teachd.  Tha  e 
nadurra  gu'm  biodh  iarrtus  aig  daoin'  air  eolas 
fhaotainn  mu'n  t-saoghal  eile,  facal  cinnteach  a 
chluinntinn  mu  thimchioll  staid  nam  marbh. 
Tha  cuid  an  duil  gu  bheil  am  facal  sin  againn 
anns  a'  chosmhalachd  so.  Ach  cha  'n  'eil  e 
furasd  a  chreidsinn  gu  bheil  sin  fior,  ged  a  thug 
cuid  de  na  h-Athraichean  gnuis  do'n  bheachd. 
Ma  thuigeas  sinn  gu  litireil  an  lasair  anns  an 
robh  an  duine  saoibhir  air  a  phianadh,  feumaidh 
sinn  broilleach  Abrahaim  a  thuigsinn  gu  litireil 
mar  an  ceudna,  agus  an  comhradh  a  bha  eadar 
e  fhein  agus  an  duine  truagh.  Ma  tha  sinn  an 
duil  gur  h-e  bha  Criosd  a'  ciallachadh  leis  a' 
chosmhalachd  so,  dealbh  a  tharruing  air  staid 
nam  firean  is  staid  nan  aingidh,  feumaidh  sinn  a 
chreidsinn  gu  bheil  neamh  is  ifrinn  cho  dluth 
d'a  cheile  's  gur  h-urrainn  luchd  aiteachaidh  an 
dara  h-aite  seanchas  a  dheanamh  ri  luchd  ait- 
eachaidh an  aite  eile,  's  gur  h-urrainn  na  naoimh 
truaighe  nam  peacach  fhaicinn,  agus  na  peacaich 


46 


sonas  nan  naomh.  Ged  a  tha  ar  cridheachan 
cruaidh  is  neo-chaomhal  gu  leor,  cha  'n  'eil  a 
h-aon  againn  cho  dona 's  nach  cuir  cradh  is  bron 
is  trioblaidean  ar  co-chreutairean  air  thalamh 
dragh  oirnn.  Cha  'n  'eil  sinn  cho  feineil  's  nach 
mill  sealladh  air  cor  bronach  dhaoin'  eile  ar 
sonas.  Bhiodh  e,  mata,  gle  neonach  nam 
fasadh  daoine  ni  bu  chruaidhe  'nan  chridhe  an 
uair  a  theid  iad  do  neamh,  seach  mar  a  tha  iad 
air  an  talamh.  Tha  e  duilich  a  chreidsinn  gu'm 
bi  daoine  na's  lugha  truacantachd  air  neamh  na 
tha  iad  air  thalamh.  Ciod  air  bith  a  tha'n  cos- 
mhalachd  a'  ciallachadh  cha  'n  urrainn  sinn  a 
h-uile  facal  dheth  a  ghabhail  gu  litireil — mar 
fhoillseachadh  air  a'  bheatha  ta  ri  teachd.  Tha 
e,  da  rireadh,  a'  teagasg  na  firinn — gu'm  bi  deal- 
achadh  eadar  leithid  Lasaruis  is  an  duine 
shaoibhir,  's  gu  faigh  na  h-uile  air  reir  nan 
nithean  a  rinn  iad  's  a'  bheatha  so — ach  tha  sinn 
an  duil  nach  robh  Criosd  idir  a'  ciallachadh  an 
cosmhalachd  a  bhi  air  a  ghabhail  mar  dhealbh 
air  staid  nam  marbh. 

II.  Thainig  an  duine  saoibJiir  gu  crich  hhochd 
a  chionn  gu  robh  a  chridhe  feineilis  neo-chaomhal. 
Bha  e  'na  dhuine  aig  an  robh  gu  leor  de'n 
t-saoghal.  Neo-ar-thaing  nach  robh  nieas  air 
airson  a  chodach.  Dh'  f  haodadh  e  bhi  'na  charaid 
do  dhaoine  bu  mhi-fhortanaiche  na  e  fhein,  dh' 
f  haodadh  e  buil  mhaith  a  dheanamh  de'n  mhaoin 
a  thug  Dia  dha.  Ach  air  reir  choltais  cha  do 
rinn  e  sin,  cha  robh  smaoin  aig'  air  duin'  o'n 
ghrein  ach  air  fhein,  dh'  ith  e,  's  dh'  ol  e,  's  bha 
e  subhach  gun  iomradh  air  na  coimhearsnaich 
aig  nach  robh  dad  a  dh'  itheadh  iad  no  chuireadh 
iad  umpa.  Bha  Criosd  airson  okas  a  leithid 
sin  de  spiorad  a  theagasg  d'a  luchd  eisdeachd,  's 
dh'  innis  e  dhaibh  mar  a  thachair  do'n  duine 
shaoibhir  an  deigh  a  bhais.  An  uair  a  dh'  fhag 
e  'n  saoghal  chaill  e  na  h-uile  ris  an  robh  a 
chridhe  'n  ceangal,  's  cha  robh  ann  ach  diol- 
deirce  bochd  air  taobh  thall  na  h-uagha.  Tha 
ainm  Lasaruis  air  a  thoirt  a  steach  do"n  chos- 
mhalachd,  cha  'n  ann  air  a  sgath  fhein,  ach  a 
chum  gu'n  tilgeadh  a  naigheachd-san  solus  air 
neo  chaomhalachd  an  duine  shaoibhir.  Cha 
robh  lethsgeul  aige.  Cha  b'  urrainn  e  radh  nach 
d'  fhuair  e  cothrom  air  feum  a  dheanamh  d'a 
mhaoin.  B^e  Lasarus  coth}-om  an  duine  shaoibhir. 
Ach  cha  do  ghabh  e  'n  cothrom,  dhearmad  se  e. 
Nan  robh  comas  labhairt  aig  Lasaruis  an  t- 
saoghal,  theireadh  iad — Bha  sinn  'nar  sineadh 
aig  dorus  an  duine  so,  's  cha  b'  urrainn  e  dol  a 
mach  no  steach  gun  ar  faicinn,  ach  cha  d'  thug 
e  riamh  suil  oirnn  's  cha  d'  fheoraich  e  ar  cor. 
Cha  d'  thuirt  Criosd  gu  robh  an  duine  so  'na 
dhuine  aindiadhaidh,  no  gu  robh  e  ciontach  do 
pheacadh  graineil  sani  bith.  Is  docha  gu  robh 
e  car  coltach  r'a  choimhearsnaich.  Rachadh  e 
do'n  t-sionagog  's  do'n  teampull,  's  choimhead- 


eadh  e  'n  lagh  mar  a  bha  daoin'  eile  'deanamh. 
Ach  ged  nach  'eil  peacadh  sonruichte  sam  bith 
air  a  chur  as  a  leth,  tha  e  soilleirgu  bheil  Criosd 
a'  ciallachadh  leis  a'  chosmhalachd  so,  gu  robh 
cridhe  'n  duine  feineil  is  neo-chaomhal  is  cho 
cruaidh  ri  creig.  Cha  robh  duin'  air  thalamh  a 
b'  urrainn  a  radh  uime — Bha  acras  orm  is  thug 
e  dhomh  biadh,  no  bha  mi  lomnochd  is  chomhd- 
aich  e  mi,  no  bha  mi  'am  priosan  's  chaidh  e 
'gam  amharc.  Agus  a  chionn  nach  robh,  chaidh 
a  dhiteadh,  's  a  chuibhrionn  a  thoirt  dha  am 
measg  na  muinntir  ris  an  abair  an  righ — Gu 
deimhin  a  ta  mi  ag  radh  ribli^  a  mheud  ^s  nach 
d'  rinn  sibh  e  do'n  neach  as  lugha  dhiubh  so,  cha 
d^  rinn  sibh  dhomh-sa  e.     Imichibh  nam. 

III.  Is  olc  an  ni,  cridhe  fuar  is  spiorad  feineil. 
Tha  iomadh  firinn  air  a  filleadh  's  a'  chosmhal- 
achd so  agus  iomadh  leasan  a  dh'  fhaodas  sinn 
fhoghlum  uaith,  ach  tha  e  gu  sonruichte  'teagasg 
nach  'eil  esan  a'  taisgeadh  ionmhais  dha  fein 
air  neamh  nach  'eil  a'  deanamh  feum  ceart  d'a 
mhaoin  air  thalamh — a  tha  cosg  a  shaoibhreis 
gu  feineil  air  fhein,  gun  smaoin  air  cor  truagb 
dhaoin'  eile.  Cha  deachaidh  Lasarus  do  neamh 
a  chionn  gu  robh  e  bochd — ach  a  chionn  gu 
robh  spiorad  ceart  air  a  ghiulan  a  dh'  aindeoin  a 
bhochdainn.  Cha  deachaidh  an  duine  saoibhir 
do  dh'  ifrinn  a  chionn  gu  robh  e  saoibhir — ach 
a  chionn  gu  robh  spiorad  feineil  air  a  ghiulan  a 
dh'  aindeoin  a  bheartais.  Cha  do  rinn  e  caraid 
do  Mhamon.  Cha  robh  e  'na  dheagh  stiubhard 
air  an  tiodhlac  a  thug  Dia  dha.  Dh'  fhaodadh 
an  t-airgiod  a  bhi  'na  mheadhon  beannachd  dha 
fhein  's  do  dhaoin'  eile,  ach  'na  aite  sin  's  ann  a 
bha  e  'na  mhallachd  dha.  Chruadhaich  t 
'chridhe  's  rinn  e  feineil  e.  Dh'  fhas  e  fhein 
reamhar  's  leig  e  le  Lasaruis  an  t  saoghail  a  bli: 
cluich.  Mar  bu  reamhra  dh' fhas  e, 's  ann  a  b 
fhuaire  dh' fhas  a  chridhe  gus  mu  dheireadb 
nach  robh  blaths  no  caomhalachd  ann  na's 
motha  na  th'ann  an  cloich.  Cha  'n  'eil  sinn  a 
ciallachadh  gu'n  coisinn  duine  neamh  le  bhi 
caoimhneil  ri  truaghain  's  le  bhi  cuideachadh 
nam  bochd.  Tha  diadhachd  na's  raotha  na 
caoimhneas.  Cha  'n'eil  ann  an  caoimhneis  ach 
pairt  di.  Tha  beatha  chreidimh  a'  gabhail  a 
stigh  iomadh  gras  eile  thuilleadh  air  cridhe 
blath  is  lamh  fhialaidh,  Faodaidh  duine  a 
mhaoin  uile  chaitheadh  chum  na  bochdan  a 
bheathachadh  's  gun  tairbhe  sam  bith  bhi  ann 
dha.  Ach  ged  tha  sin  fior,  tha  e  fior  cuideachd 
nach  mor  a's  fhiach  an  diadhachd  nach  'eil 
caomhal.  Cha  'n  'eil  i  air  reir  intinn  Chriosd. 
Bha  blaths  is  caoimhneas  is  co-fhaireachduinn 
'na  chridhe-san.  Mur  'eil  a  spiorad  san  agaiiin, 
cha  bhuin  sinn  dha,  agus  b'e  a  spiorad-san — 
caoimhneas  a  nochdadh  do  na  h-uile,  eadboin 
do  na  daoine  neo  thaingeil  is  olc.  Tha  'n  duine 
aig  a'  bheil  cridhe  fuar  is  feineil,  fada  fada  o 


? 


■«1 

1 


I 


i 


47 


rioghachd  Dhe.  Faodaidh  e  bhi  glic  gleusta, 
soirbheacliail,  cliuiteach,  ach  theid  na  peacaich 's 
na  cis-mhaoir  a  steach  roimhe-san.  Faodaidh 
sinn  a  bhi  cinnteach  gu  bheil  sinn  ann  an  slighe 
ar  dleasdanais  's  a'  leantuinn  ann  an  ceumannan 
Chriosd  an  uair  a  leighseas  sinn  lotan  Lasaruis. 
Cha  tearnar  duine  mur  'eil  a  chridhe  ceart,  's 
cha  'n  'eil  an  cridhe  ceart  mur  'eil  e  blath,  is 
caomhal,  is  truacanta,  is  naomh.  As  eugmhais 
maitheas  cridhe  cha  'n  'eil  sonas  a  bhos  no  shuas. 
Far  nach  'eil  an  gradh,  tha  Criosd  fada  air 
falbh.  Tha  fhios  againn,  ars'  an  t-Abstol  Eoin, 
gu'n  deachaidh  sinn  thairis  o  bhas  gu  beatha,  a 
chionn  gu  bheil  gradh  againn  do  na  braithrean. 
An  uair  a  thig  am  bas,  is  e  an  aon  saoibhreas  a's 
fhiach — cridhe    car   coltach   ri  cridhe    Chriosda. 


MAIRI. 


Tha  Mairi  agus  sinn  fhein  min-eblach  air  a 
cheile  a  nis.  Tha  meas  mbr  aig  a  mhinisteir  air 
Mairi,  agus  tha  meas  air  Mairi  aig  a'  mhinisteir. 
Ach  cha  b-ann  gun  fhios  a  tbachair  e  gu  'n  robh 
urram  aig  an  dithis  ud  d'a  cheile.  Cha  ghabh- 
adh  Mairi  ri  fear  no  ri  te  a  bha  be6  ach  air  aon 
doigh.  No  theagamh  gu'n  robh  da  dhoigh. 
Fear  no  bean,  bg  no  scan,  bochd  no  bearteach, 
cha  chuala  Mairi  riamh  an  guth  gun  fuasgladh  no 
cobhair  a  dheanamh  orra.  Bha  Mairi  mor  ann 
am  pearsa,  agus  bha  a  cridhe  cho  mbr  r'a  pearsa. 
Co  dhiu  a  bha  an  t-eas-bhuidheach  glic  no 
amaideach  dheanadh  i  fuasgladh  nam  b'  urrainn 
dhi  aig  an  am  ;  ach  na'n  robh  an  t-easbhuidheach 
bochd  da  rireadh  'am  feum,  moch  agus  fad'  an 
latha,  bhitheadh  riin  air  a  cridhe,  agus  bhitheadh 
a  lamh  a'  toirt  seachad  na'n  robh  ni  air  bith 
aice  a  b'  urrainn  dith  a'  thoirt  seachad  no 
'dheanamh.  'N  uair  a  dh'  fhas  bean  an  tailleir 
mhoir  tinn,  thug  Mairi  leatha  a  paisdein  dhach- 
aidh  d'a  tigh  fhein  agus  ghleidh  i  na  leanaban 
ann  a  sin  gus  an  robh  an  cunnart  seachad  agus 
bean  an  tailleir  air  a  casan  a  rithis.  Ach  an 
uair  a  bha  dhi  orra  cridhe  Mairi  a'  losgadh  chuir- 
eadh  na  balaich,  na  peasainn,  'na  cuimhne  an 
uair  a  thug  i  dhachaidh  leatha  am  balachan 
ceaird  le  'chas  bhriste;  mar  bu  mhotha  dhean- 
adh Mairi  air  fhein  agus  air  an  leabaidh  a 
ghleidheadh  'an  ordugh,  b'  ann  direach  mar  sin 
a  chuireadh  esan  an  leabaidh  agus  na  bh'innte 
troimhe-cheile :  agus  mar  bu  mhotha  throideadh 
i  ris,  b'  ann  direach  bu  mho  a  bheireadh  e  beulais 
seachad  di.  B'  f  hada  le  Mairi  an  uair  ud  gus 
an  robh  an  giobull  luaineach  air  an  rathad  a 
rithis.  Cha  do  leig  Mairi  air  di-chuimhne  gu 
luath  mar  thachair  di  fhein  agus  do'n  bhalachan- 
cheaird,  agus  na'n  leigeadh,  bha  muinntir  eile 
deas  gu  leor  a  ghleidheil  'na  cuimhne.  Nach 
trie  a  thachair  e  riu-san  a  rinn  caoimhneas 
ri  muinntir  eile  gu'n  d'  fhuair  iad  fhein  losgadh 
agus  dragh,  gun  phaigheadh  agus  gun  taing. 


Ach  CO  dhiu,  ged  a  bha  iomadh  dragh  aig 
Mairi  bha  i  direach  cho  deas  fuasgladh  a  dhean- 
amh air  an  ath  uireasbhuidheach  bochd  agus  a 
bha  i  air  an  fhear  mo  dheireadh.  B'e  nadur  e^ 
agus  coltach  ri  Donnacha  Ban  'n  uair  a  bha  e 
'deanamh  nan  oran,  cha  robh  arach  aic'  air. 

Ach  bha  doigh  eile  air  cairdeas  a  dheanamh  i  i 
Mairi ;  agus  cha  robh  fear  no  bean  air  a'  bhaile 
nach  robh  gle  eolach  air  so.  Bu  hheag  air 
Mairi  gach  leisgein  's  an  aite.  Throideadh  i 
riu  gus  am  bitheadh  ntiire  orra :  bha  a  teanga 
cho  geur  ri  siosar  an  tailleir  a  ghearradh  birleach 
roimh'  an  fhaobhar.  Chaineadh  i  iad,  agus 
smadadh  i  iad:  bhitheadh  iad  aice  fuar  agus 
teth  uair  mo  seach,  gus  am  bitheadh  critheanan 
fuachd  'nan  dromannan  agus  fallus  air  an  gruaidh. 
Cha  toirinn  da  sgilinn  air  fear  sam  bith  a  bha 
aon  uair  ann  am  beul  Mairi  agus  nach  robh 
naire  air  air  a  shon  fhein  riamh  'na  dheigh. 

Riu-san  a  bha  deanamh  an  dichill  bha  i  caird- 
eil  blath-chridheach.  B'  iomadh  sgeula  bhochd 
a  chual  i,  agus  b'  iomadh  comhairle  mhaith  a 
thug  i  seachad,  agus  cha  chuala  duine  beo  facal 
riamh  na  dheigh.  An  naigheachd  a  chuala 
cluasan  Mairi  cha  chuala  duine  riamh  tuilleadh 
a  'beul.      Bha  i  cho  duinte  ris  na  creagan  fhein. 

'N  uair  a  thainig  am  ministear  ur  do  'n  sgir- 
eachd  thachair  e  ri  Mairi  mar  a  thachair  e  riu 
uile.  Ged  nach  robh  tigh  Mairi  ro  mhor  thug  e 
fainear  gu'n  robh  i  fein  agus  gach  ni  air  taobh 
stigh  ballachan  an  tighe  cho  grinn  agus  cho 
speisealda  ri  prin'  ur  a'  paipeir.  Thug  e  an  aire 
mar  an  ceudna  gu'n  robh  da  shuil  gheura  ag 
amharc  a  mach  as  a  ceann,  agus  ged  nach  robh 
i  ag  radhtuinn  ach  beagan,  bha  i  a'  gabhail  a 
stigh  moran.  Air  an  rathad  dhachaidh  chuir- 
eadh am  ministear,  an  drasd  agus  a  rithis,  barr 
a  bhata  da  oirleach  anns  a'  ghrunnd  mar  gu'n 
robh  e  a  pronadh  tholl  ann  an  claigeann  Mairi 
feuch  am  faiceadh  e  no'n  tuigeadh  e  a  smuaint- 
ean.  Ach  cha  do  thuig  am  ministear  Mairi  an 
lath'  ud,  no  iomadh  latha  na  dheigh-sin.  Cha 
do  chleachd  Mairi  a  bhi  'brosgul,  agus  ged  a 
bha  nis  orra  currachd  ban,  cho  geal  ris  an 
t-sneachda,  agus  a  fait  cho  liath  ri  caora,  b' 
fheudar  do  Mairi  faicinn  cha'n  e  a  bhain  gu  'n 
robh  iad  dileas,  dichioUach;  ach  'nan  gniomh 
agus  'nan  caithe  beatha,  gu'n  robh  iad  dileas 
dichiollach,  mar  an  ceudna.  Tha  a  dhoigh 
fhein  aig  gach  h-aon  againn  agus  co  a  gheibh- 
eadh  coire  do  Mhairi  nan  robh  i  ri  coigrich  fuar 
duinte,  'n  uair  a  bha  i  da  rireadh  o'n  taobh  a 
stigh  caoimhneil,  cairdeil,  blath. 

Ach  ma  bha  am  ministear  6g  ann  am  bliadh- 
nachan,  agus  aineolach  air  moran  do  dhoighean 
na  beatha  so,  bha  e  faicilleach,  faighidneach. 
Ged  nach  b'  urrainn  dha  tuigsinn  ciamar  a  bha 
suilean  Mairi  cho  dorcha,  fuar,  shaoil  e  gu'n 
robh  a  h-aodann  uasal  cairdeil,  agus  mar  gu  'm 
b'  eadh  gu'n  robh  fiamh  ghaire  a'  lasadh  a  suas 
air  a  gruaidhean  an  drasd  agus  a  rithis:  ach  cha. 


48 


Tobh  e  idir  cinnteach.  B'  ann  air  an  aobhar  so 
a  bha  e  stobadh  a  bhata  'sa  ghrunnd,  no  a' 
spreadadh  nan  dacha  beaga  a  sud  agus  a  so 
air  a  rathad  dachaidh,  mar  a  bha  e  a  beachd- 
smuaineachadh  air  na  chunnaic  agus  na  chual'  e 
an  lath'  ud. 

Chaidh  an  iiine  seachad.  Bha  Mairi  'na 
li-aite  's  an  eaglais  air  gach  latha  Sabaid,  no  co 
dhiu  cho  trie  agus  a  b'  urrainn  dith:  chuireadh 
i  'mach  air  an  t-searmoin  gle  thric,  ach  bha  i  a' 
faicinn  gu'n  robh  an  duine  6g  durachdach,  agus 
air  an  aobhar  sin  theireadh  i  rithe  fhein  an 
-d^igh  dol  dachaidh — 'Tuigidh  e  ni  's  fearr  mar  a 
theid  bliadhnachan  thar  a  chinn.'  Agus  mar  a 
thubhairt,  b'  fhior. 

Mar  a  bha  Mairi  i  fhein  blath-chridheach  a 
reir  naduir:  agus  mar  a  bha  i  'na  gniomh  gach 
latha,  no  co  dhiu  gach  seachduinn,  a'  dean- 
adh  fuasgladh  air  easbhuidheach  air  chor- 
«iginn,  mar  sin  b'  fheudar  do  gach  aon 
air  am  bitheadh  deadh  bharail  aig  Mairi  'dean- 
adh  air  a  mliodla  cheudna.  Cha  robh  fios 
aig  a'  mhinisteir  air  a  so,  ach  ged  nach  robli  bha 
e  a'  deanadh  a  dhleasdanais  mar  mhinisteir  a' 
<3ol  a  mach  agus  a  steach  a  measg  a'  phobuill 
mar  a  b'  fhearr  a  b'  aithne  dha.  Shaoil  Mairi 
an  toiseach  nach  leanadh  so  ach  tacan  beag. 
Ach  ruith  an  iiine  agus  aig  ceann  na  bliadhna 
bha  an  t-oganach  cho  dleasdanach,  dichiollach 
agus  a  bha  e  an  toiseach.  Agus  mar  a  dh' 
aidich  Mairi,  bliadhnachan  na  dheigh  sin,  ged 
nach  d'  innis  i  rianih  do'n  mhininisteir  e  fhein — 
"Bu  mhaith  an  latha  dhuinne  an  latha  a  thainig 
esan  do  'n  sgireachd  againne. 

Mar  a  ruith  na  bliadhnachan  thar  ceann 
Mairi  bha  i  a'  fas  lag,  briste  leis  an  t-seann  aois. 
An  ni  nach  b'  urrainn  dith  fhein  a  dheanamh 
fhuair  i  muinntir  eiie  a  dheanadh  e  air  a  son. 
Agus  bu  trie  a  bha  am  ministear  'na  ghille- 
gnothuich  o  Mhairi,  agus  riamh  air  a  sgath-san 
•cha  robh  aice  aobhar  gearain. 

Faodaidhe  bhith  gu'n  cluinn  sinn  an  sgeul latha 
eile,  ach  an  drasd,  a  leughadair,  beannachd  leat. 

Ctintainn.  A.  C.  MacIlleathain. 


TEARLACH    GRANND. 


Ged  nach  robh  Tearlach  Grannd  'na  shoisgeul- 
aiche  feumar  ainm  a  chunntas  am  measg  nan 
<daoine  a  thug  an  soisgeul  do  na  h-Innsean  an 
Ear.  Thug  a'  Ghaidhealtachd  do  dh'  Africa 
<ieagh  charaid  ann  an  Daibhidh  Mac  a'  Leigh  's 
thug  i  deagh  chara'd  do  na  h-Innsean  an  Ear, 
ann  an  Tearlach  Grannd — duine  a  tha  airidh 
air  ait'  fhaotainn  ann  an  cuideachd  nan  soisgeul- 
aichean  sin,  Carey,  Afariyn,  Heber,  Wilson,  Duff. 
Rugadh  e  ann  an  1746,  an  sgireachd  Urchad- 
-ainn  ri  taobh  Loch  Nis.  Aig  an  am  bha  athair 
a  mach  leis  a'  Phrionnsa,  ach  roimh  latha  Chul- 
f hodair,  fhuair  e  fhem  is  deich  ar  fhichead  d'a 
chompinaich  cothrom  tigh'nn  gu  baile,  chum  an 


leanabh  a  bhaisteadh.  B'e  sin  am  baisteadh. 
Thugadh  ainm  a'  Phrionns'  air  an  leanabh,  shin 
na  gaisgich  an  claidhean  trasd  air  a'  chreathail, 
's  thug  fear  as  deigh  fir  dhiu  air  an  leanabh, 
breith  air  a  chlaidheamh  mar  chomharra  air 
dilseachd  do'n  Righ  dhligheach.  Ach  cha  b'  ann 
do  chogadh  a  choisrig  Tearlach  Grannd  a 
bheatha,  ach  do  dh'  aobhar  na  sithe.  An  uair 
a  thainig  e  gu  maith  duine,  fhuair  e  ait'  anns  na 
h  Innsean  an  Ear  o'n  Chomunn  a  bha  riaghladh 
na  duthcha  sin,  's  gu  latha  bhais  bha  chridhe  an 
ceangal  ris  na  h-Innseann,  's  bha  lamh  's  a 
theanga  's  a  pheann  ag  oibreachadh  gun  sgur  as 
leth  an  t-sluaigh.  Bha  e  'na  fhear  riaghlaidh 
glic  agus  dh'  fhag  e  larach  a  laimhe  air  an  duth- 
aich  ann  an  iomadh  doigh,  ach  is  e  na  rinn  e 
ann  an  aobhar  an  t-soisgeil  a  chumas  ainm  air 
chuimhne  gu  brath.  O'n  cheud  latha  chaidh  e 
air  tir,  's  a  chunnaic  e  an  dorchadas  's  an  t-ain- 
eolas  anns  an  robh  na  h-Innsean,  b'e  durachd  a 
chridhe  an  creidimh  Criosduidh  a  thoirt  do'n 
t-sluagh.  Chruinnich  e  mu'n  cuairt  air,  daoine 
de'n  aon  inntinn  ris  fhein,  's  bhrosnuich  e  na  h- 
Eaglaisean  an  obair  a  ghabhail  os  laimh.  Tharr- 
uing  e  aire  Shasuinn  gu  cor  nan  Innsean,  lean  e 
air  sgriobhadh  gu  Easbuigean  is  diadhairean  is 
Comuinn  Chriosduidh  aig  an  tigh  gus  nach  b' 
urrainn  iad  an  suilean  a  dhunadh  ni  b'  fhaide 
Cha  'n  'eil  uine  againn  cunntas  a  thoirt  air  meud 
na  h-obrach  a  rinn  e,  ach  is  leor  a  radh  gur  h-e 
Tearlach  Grannd  a  thug  Carey  is  Martyn  do  na 
h-Innsean,  gu'n  do  chuir  e  air  air  an  cois  iomadh 
eaglais  anns  an  duthaich,  gu'n  do  chuidich  e 
saorsa  thoirt  do  na  traillean,  gu'n  do  chuir  e 
Wilson  do  Chalcutta,  's  gu'n  do  chuidich  e  gu 
mor  le  Wilberforce  's  ri  chairdean.  Sgriobh  e 
aon  uair  gu  h-aon  de  na  soisgeulaichean — Gu'in 
beannaicheadh  Dia  t  obair,  'j-  giim  hiodh  soirbh- 
eachadh  agad  ann  a  bhi  craobh  sgoileadh  eolais  air 
Criosd  's  air  fhacal  's  air  a  shlainte.  Tha.  sinn 
idle  cho  marbh,  ^s  cho  dear/nadach  air  na  cothrom- 
antian  a  tha  Dia  a'  toiri  dhuinn  's  gu  bheil  eagal 
orni  gu  'ti  tionndaidh  e  bhuainn  mar  a  thionndaidh 
e  0  shluagh  Israel.  Tha  mi'n  dachas  gu  bheil 
Criosduidhean  fhathast  ann  am  Breatunn,  ach 
tha  e  CO  It  ach  gu  blieil  iad  meoghbhlath  's  gu  'n  do 
chain  an  creidimh  a  chumhachd.  Gu  'n  ullaich- 
eadh  Dia  luchd  oibre  airson  an  fhoghair.  Tha 
car  aid  agad  a7inamsa.  Abair  am  facal '  s  ni  mi 
na  's  urrainn  mi.  An  uair  a  chuala  Wilberforce 
naigheachd  a  bhais,  sgriobh  e — "Cha  b'  aithne 
dhomh  duine  riamh  a  b'  fhearr  na  Tearlach 
Grannd.  Nan  d'  fhuair  e  cothrom  'na  oige  dh' 
fhaodadh  e  bhi  cho  ainmeil  ann  an  litreachas  's 
a  bha  e  ann  an  riaghladh.  Bha  a  bheatha 
folaichte  ann  an  Criosd.  Bha  e  cho  fada  os 
cionn  an  t-saoghail  so,  's  gu  robh  e  daonnan 
uUaichte  airson  an  t-saoghail  eile.  Is  mor  an 
call  a  bhas,  ach  tha  e  'na  aobhar  taingeileachd 
gu  'n  d'  fhag  Dia  e  gus  an  do  chuir  e  an  siol  's 
na  h-Innsean  an  ear — siol  a  bheir  a  mach  moran 
toraidh." 


^ 
^ 


r 


'i 

4 


i 


Air.    1. 


1908 


D'AR    LUCHD    LEUGHAIDH. 


Bliadhna  mhaith  iir  dhuibh. 

Ged  nach  aithne  dhuinn  a  cheile  anns  a  cho- 
luinn,  tha  car  de  thaoibh  againn  ris  a  h-uile  fear 
is  te  a  bhios  a'  leughadh  an  Leabhair  Dheirg,  is 
tha  sinn  an  dochas  nach  beag  oirbhse  an  lamh  a 
tha  sgriobhadh  nan  duilleagan  so. 

Bha  sinn  an  duil  gu'n  innseamaid  anns  an 
aireamh  so  gu  de  tha  'nar  beachd  a  dheanamh 
air  a'  bhhadhna  so,  's  gu'n  ainmicheamaid  cuid 
de  na  cuspairean  air  an  tig  sinn  thairis,  ach  rinn 
sinn  ath-chomhairle  's  thuirt  sinn  ruinn  fhein 
gu'm  b'  fhearr  a  bhi  samhach,  air  eagal  's  gu'n 
abradh  cuid  agaibh  aig  deireadh  na  bliadhna 
gu'n  d'  fhuair  iad  gealltanas  maith  ach  droch 
phaigheadh.  O  thoisich  sinn  air  an  obair  so, 
cha  'n  urrainn  sinn  a  radh  gu'n  d'  fhuair  sinn 
moran  cuideachaidh  o  pheann  duine  sam  bith. 
Ged  is  maith  an  ceol  feadaireachd,  faodar  tuill- 
eadh  'sa  choir  dheth  fhaighinn.  Ged  nach  h- 
uallach  leinne  sgonn  Gaidhlig  a  sgriobhadh  an 
drasd  'sa  rithist,  gu  sonruichte  'nuair  a  tha  sin  a' 
toirt  cothrom  dhuinn  seanchas  a  dheanamh  ri 
daoine  ciallach  mar  a  tha  luchd-leughaidh  an 
leabhair  so,  tha  fhios  againn  gu  bheil  moran 
dhaoine  a's  glice  ceann  's  a's  luaithe  peann  na 
sinn  fhein,  a  dh'  fhaodadh  spruileach  da'n 
gliocas  a  thilgeil  oirnn  corr  uair.  Ged  nach 
abair  daoine  ris  a'  mhinisteir  e,  tha  amharus 
againn  nach  bu  mhisd  leo  an  duine  coir  a  dhol 
greis  o'n  tigh  air  son  a  shlainte,  's  leigeil  le  fear 
ur  a  ghuth  a  thogail.  Cha  ruig  sinn  a  leas  an 
tuilleadh  a  radh.  Tuigidh  sibh  gu  de  tha  sinn 
a'  ciallachachadh.  Air  uairean  bidh  eagal  oirnn 
gu'm  bitear  a  fas  sgith  dhinn,  's  cha  bu  mhaith 
leinn  sin.  Ach  mur  tairg  duin'  air  chor-eiginn 
ar  n-aite  sheasamh,  cha'n  'eil  arach  air.  Feumar 
ceol  a  thoirt  as  an  t-seann  fhidhill,  ged  a  chuir- 
eadh  ar  luchd  eisdeachd  an  corragan  'nan 
cluasan.  Tha  sinn  an  dochas,  mata,  gu'n  cuid- 
ich  sibh  leinn  air  a'  bhliadhna  so,  's  gu'n  cuir 
sibh  h-ugainn  criomain  Ghaidhlig  a  bhios  freag- 
arrach  airson  an  leabhair  so.  Ris  na  nithean  a 
tha  sinn  fhein  a'  sgriobhadh,  cha  'n  'ei!  sinn  a 
cleachdadh  ar  n-ainm  a  chur,  ach  ris  na  nithean 
a  chuireas  daoin'  eile  h-ugainn,  cuiridh  sinn  an 
ainm  's  an  sloinneadh.  Bidh  sinn  gu  sonruichte 
taingeil  airson  bardachd  naomh,  no  laoidhean. 
Dh'  fhairtlich  a'  bhardachd  oirnn  fhein  gu  buil- 
each  's  mur  dean  daoin'  eile  cobhair  oirnn 
feumar  deanamh  as  a  h-eugmhais.  Cha'n  'eil 
aig  duine  leis  am  bu  mhaith  cuideachadh  leinn, 
ach  sgriobhadh  gu  Domhull  Mac  Laomuinn, 
ministear  Urchadainn,  ann  an  lonarnis,  's  gheibh 
e  freagradh. 


A'    BHLIADHN'    UR. 


Tha  bliadhn'  eile  seachad.  Is  iomadh  car  a 
chuir  an  saoghal  dheth  o'n  am  so  'n  uiridh,  agus 
is  iomadh  atharrachadh  a  dh'  fhaodas  tighinu 
'nar  caramh  ma  ruig  sinn  deireadh  na  bliadhna 
so.  Ma  dh'  fhaoite  gu  bheil  sonas  mor  a'  feith- 
eamh  air  cuid  againn,  's  gu  bheil  moran  trioblaid 
anns  an  dan  do  chuid  eile.  Aig  Dia  a  mhain 
tha  fios.  Is  e  Esan  a  tha  riaghladh  agus  faod- 
aidh  sinn  cuisean  ar  beatha  fhagail  'na  laimh- 
san,  ann  an  cinnt  nach  eirich  gu  hole  dhaibhsan 
a  dh'  earbas  as.  Is  e  ar  gliocas-ne  sinn  fhein 
earbsa  ris-san  ann  an  deanamh  maith  mar  ri 
Cruithear  dileas.  Aig  a  leithid  so  a  dh'  am  tha 
e  freagarrach  gu'n  tugamaid  suil  'nar  deigh  's  gu 
feoraicheamaid  gu  de  a  tha  bhliadhna  chaidh 
seachad  a'  teagasg  dhuinn.  An  uair  a  sheallas 
sinn  air  ar  n-ais,  tha  mi  'n  duil  gur  h-e  an  fhair- 
eachduinn  a  dhuisgeas  anns  a  h-uile  cridhe 
taingealachd  do  Dhia. 

I.  Tha  bhliadhna  chaidh  seachad  a  gairm 
oirnn  an  Tighearn  a  mholadh.  A'  chuid  a's 
lugha  fhuair  de  shoirbheachadh  aimsireil,  fhuair 
iad  na  dh'  fhoghainn,  's  a'  chuid  a's  motha 
fhuair  le  thrioblaid,  cha  deachaidh  am  fulangas 
thar  tomhats.  Am  measg  gach  gaoid,  is  galair 
is  cunnart  a  bha  mu'n  cuairt  oirnn  shaor  Dia  ar 
beatha  o'n  bhas,  's  ar  casan  o  thuisleadh  's  tha 
sinn  a'  gluasad  fhathast  ann  an  solus  nam  beo. 
Gach  seachduinn  d'ar  beatha  tha  sinn  a'  faicinn 
ar  co-aoisean — daoine  cho  bg  's  cho  laidir  ruinn 
fhein — air  an  gearradh  air  falbh  ach  tha  sinne 
fhathast  air  ar  fagail.  Ged  a  bhios  sinn  a' 
caineadh  an  t-saoghail,  is  maith  leinn  a  bhi  ann. 
Is  mor  a'  bheannachd  gu  bheil  sinn  idir  beo. 
Tha  Dia  faighidinneach,  agus  bu  choir  faighid- 
inn  agus  maitheas  Dhe  ar  gairm  gu  aithreachas. 
Is  iomadh  uair  a  chaidh  sinn  air  seacharan  anns 
a'  bhliadhna  dh'fhalbh,  is  iomadh  uair  a  thruaill 
sinn  ar  n-anam  le  peacadh  's  a  thug  sinn  naire  is 
trioblaid  oirnn  fhein  's  air  ar  teaghlaichean,  ach 
bha  Dia  caoimhneil  's  dh'  aisig  e  ar  n-anam  air 
ais  dhuinn.  Nan  comharaicheadh  Esan  ain- 
gidheachd  co  a  sheasadh  'na  lathair,ach  aige-san 
tha  maitheanas  agus  saoraidh  e  Israel  o  euceart- 
aibh.  Beannaich  an  Tighearn  O  m'  anam  's  na 
dichuimhnich  a  thiodhlacan ! 

Tha  iomadh  ni  anns  a'  bhliadhna  chaidli 
seachad  a  bu  mhaith  leinn  a  dhi  chuimhneach- 
adh — iomadh  aobhar  naire  is  cromadh  cinn.  Is 
trie  a  fhuair  an  Namhaid  lamh  an  uachdar  oirnn, 
's  a  rinn  sin  rudan  a  bheir  an  diugh  an  f hull  'nar 
naodann.  Cha  robh  sinn  cho  faicilleach  's  a  bu 
choir  dhuinn,  cha  do  chleachd  sinn  na  meadh- 


onan  cuideachaidh  a  thug  Dia  dhuinn,  's  cha 
do  chathaich  sinn  gu  fuil  an  aghaidh  peacaidh. 
Cha  robh  ar  beatha  cho  mhaith  ri  ar  n-aideach- 
adh  no  ar  gniomharan  cho  mhaith  ri  ar  bbidean. 
Ach  ma  tha  sin  a'  laidhe  'na  uallach  air  ar  coguis, 
thugamaid  ar  n-uallach  gu  Dia  agus  abramaid 
ris  san  le  cridhe  durachdach  —  dean  trocair 
oirnne  tha  peacach  —  agus  eisdidh  esan  ruinn. 
Dubhaidh  e  as  mar  neul  ar  n  euceartean,  gabh- 
aidh  e  truas  dinn,  comhdaichidh  e  ar  n-eusaontais, 
agus  tilgidh  e  ar  n-uile  lochdan  ann  an  doimh- 
neachd  na  fairge.  Deanamaid  greim  air  an 
fhacal  so,  oir  cha  'n  e  smaoin  duine  a  th'  ann, 
ach  facal  Dhe. 

II.     Rachamaid  an  coinneamli    na    bliadhn' 

uire   le  deagh   mhisnich.       Ged  nach  do  ghabh 

sinn  riamh  roimhe  an  rathad  so,  na  biodh  eagal 

oirnn  oir  tha   Fear-stiuraidh  is  Fear-comhnaidh 

maille  ruinn.     Tha  e  nadurra  gu'm  biodh  daoin' 

a'  sealltuinn  air  thoiseach  orra  's  gu'm  biodh  iad 

a'   cnuasachadh   'nan   cridhe — gu  de  th'  aig  a' 

bhhadhna    so  'san   dan  dhomh  ?     Am  faic  mi 

a  deireadh  ?     Am  bi  na  laithean  nach  d'  thainig 

cho  mhaith  ris  na  laithean  a  dh'  f  halbh.      Faod- 

aidh  gu  bheil  cuid  air  nach  cuir  na  smaointean 

sin  moran  dragh.     Air  cho  neo-chinnteach  's  ga 

bheil  an  crannchuir,   air  cho  dorcha  's  ga  bheil 

an  t-slighe — ged  nach  leir  dhaibh  fad  an  coise 

air  thoiseach  orra,  tha  iad  daonnan  a  tigh'nn  beo 

an  dochas  gu'm    bi   cuisean   ni's   fhearr  an  ath 

latha.      Cha  'n  'eil  an  seorsa    naduir   sin    aig  a 

h-uile  duine.     Tha  cuid  a  dhaoine  nach  urrainn 

eagal  an  latha  maireach  a  thilgeil  uapa  mionaid 

d'  am  beatha.     Ma  dh'  fhaoite  nach  urrainn  iad 

innseadh  gu  de  a  tha  'cur  dragh  orra,  ach  tha  'n 

cudthrom  air  an  inntinn  's  tha  eagal  is  curam  an 

latha   maireach   a'  deanamh   searbh   freasdal  an 

latha  diugh.      'S  e  'n  aon  chungaidh   leighis  air 

an  son,   cuimhneachadh  air  na  laithean  o  shean 

anns  an  do  lean  maitheas  agus  trocair  Dhe  iad. 

An   aite    sealltuinn   air  toiseach   orra,  bhiodh  e 

moran   na   b'  fhearr    dhaibh    suil  a  thoirt  'nan 

deigh — suidhe  car  greis  gu   reidh  samhach  gu 

bhi    beachdachadh   air   freasdal   an    Tigheaina 

'nam  beatha  fhein.     Ma  bha  iad  an  glais  's  gu'n 

tug    esan    as  iad,   ma  rinneadh  soilleir   dhaibh 

nithean  a  bha   dorcha,   ma  thug  e  as  an  rathad 

duileadasan  a  shaoil  iad  nach  gabhadh  carachadh, 

's  ma   threoraich   e  iad  anns  na  laithean   a  dh' 

fhalbh  lamh  ri   h-uisgeachaibh  ciuin — carson  a 

chuireadh   iad   teagamh  'na  mhaitheas  ?      Nach 

'eil    a    chumachd-san    gun    atharrachadh,  's    a 

throcair     o     shiorruidheach    gu     siorruidheach 

orrasan  da'n   eagal   e  !      Ciod  uime  sin  a  their 

sinn  ris  na  nithean  sin  ?      Ma  tha  Dia  leinn,  co 

dh'  fhaodas  a  bhi  'nar  n-aghaidh.      An  Ti  nach 

do  chaomhain  a  mhac  fein  ach  a  thug  thairis  e 

air   ar    n-ais,    tha    gach    latha    's    bliadhna  d'ar 

beatha,   a'  cur  an  ceill   ann  an   cainnt  so-thuig- 


seach,  gradh  is  maitheas  is  fad  fhulangas  Dhe. 
Bha  mi  bg,  ars'  an  Salmadair,  agus  a  nis  tha  mi 
scan  ach  cha'n  fhaca  mi  riamh  am  firean  air  a 
threigsinn.  Tha  ainmean  a  shiuagh  air  an  gearr- 
adh  air  dearnaibh  a  lamh,  agus  cuidichidh  Dia 
leo  agus  teasairgidh  e  iad.  Ged  thuit  iad,  cha 
tilgear  gu  tur  sios  iad,  oir  cumaidh  an  Tighearna 
snis  air  laimh  iad.  Carson  a  tha  thu  air  do 
leagadh  sios  O  m'anam,  earb  thus'  a  Dia. 

III.  Mabu  mhaith  leinn  dion  an  Tighearn  a 
bhi  tharaimi,  's  dearbhachd  a  bhi  againn  gu'm  hi 
E  maille  ruinn  air  ar  turus,  toisicheamaid  air  a 
bhliadhna  so  le  bhi  'gar  coisrigeadh  fhein  dha  as 
icr.  Tabhair  suas  do  shlighe  do'n  Tighearn, 
agus  beannaichear  leis  thu.  Is  ann  d'a  shiuagh 
fhein  a  thug  e  na  geallaidhean  priseil  air  an  d' 
thainig  sinn  thairis.  Tha  Facal  an  Tighearn  ag 
radh — Abraibh  ris  an  ionracan  gur  maith  a  dh' 
eireas  dha — ach  tha  am  Facal  ceudna  'g  radh — 
Is  an-aoibhin  do'n  aingidh,  is  olc  a  dh'  eireas 
dhasan.  Cha'n  urrainn  dearbhachd  sam  bith  a 
bhi  aig  daoine  mi-dhiadhaidh  gu  bheil  fabhar 
Dhe  thairis.  Faodaidh  Dia  giulan  leo  fada  le 
faighidinn,  agus  sgrios  a  chumail  uapa,  ach  cha 
'n  urrainn  an  Alios  cridhe  's  a'  mhisneach  a  bhi 
aca  a  th'  aig  na  daoine  a  ni  a  thoil,  's  a  tha 
cinnteach,  air  an  aobhar  sin,  gu  faod  iad  an  taic 
a  leigeil  ri  geallaidhean  Dhe.  Co  iadsan  a  dh' 
fhaodas  a  radh  gu  bheil  Dia  maille  riu  anns 
gach  suidheachadh  sam  bi  iad?  Iadsan  a 
ghluaiseas  'na  eagal,  a  ghradhaicheas  a  lagh,  'sa 
choimhideas  aitheantan.  Riusan  tha  Dia  ag 
radh — feuch  tha  mise  maille  ruibb,  cha'n  ann 
gu  ceann  na  bliadhna,  ach  gu  deireadh  an 
t-saoghail. 

Tha  aingeal  Dhe  a'  campachadh 
Mu'n  dream  da'n  eagal  e, 
G'am  fuasgladh  is  g'an  teasairginn 
O'n  trioblaidibh  gu  leir. 

Ged  is  fhad  a'  bhliadhna  le  bhi  'g  amharc  air 
thoiseach  oirnn  an  drasd,  thig  i  mar  a  thig  gach 
ni  eile  gu  crich.  Theid  i  seachad  cho  luath  's  a 
chaidh  an  te  mu  dheireadh.  Tha  sinn  a'  caith- 
eadh  ar  bliadhnacha  mar  sgeul  a  dh'  innsear. 
Tha  ar  laithean  a'  dol  seachad  mar  shruth.  Gu'n 
teagaisgeadh  an  Spiorad  Naomh  dhuinn  ar 
laithean  aireamh,  chum  gu  socruich  sinn  ar 
cridhe  air  gliocas.  Tha  na  miltean  a'  seasamh 
an  diugh  air  stairsnich  na  bliadhn'  uire  a  bhios 
anns  an  t-siorruidheachd  mu'n  tig  i  gu  crich. 
Co  dhiu  a  thachras  sin  dhuinne  aig  Dia  a  mhain 
tha  brath.  Ach  bitheamaid  ag  iarraidh  an 
Tighearna,  deanamaid  faire  's  bitheamaid  ri 
uirnigh.  Na  cruadhaicheamaid  ar  cridhe  'na 
aghaidh-san  a  tha  labhairt  rinn,  's  a'  tairgsinn 
dhuinn  saor  thiodhlac  a  ghrais.  An  diugh  an 
t-am  taitneach.  Cha  'n  'eil  obair  no  aithreachas 
anns  an  uaigh. 


v 
i 


t 

i 

I 


'S  e  nis  an  t-km  bhi  reidh  ri  Dia, 
'S  e  nis  an  t-^m  thoirt  geill  do'n  Triath, 
Am  feadh  a  mhaireas  la  nan  grks 
Faodaidh  gach  neach  dol  as  o'n  bhas. 

Gu'n  cuidicheadh  Dia  leinn  anns  a'  bhliadhna 
so  an  tuilleadh  nine  is  suim  a  thoirt  do  nithean 
spioradail,  's  an  tuilleadh  dichill  a  dheanamh 
chum  CO  aca  bhios  sinn  a  lathair  no  air  choigrich, 
gu'm  bi  sinn  taitneach  dhasan.  Leis  an  t-seann 
bhliadhna  cuireamaid  dhinn  an  seann  duine. 


OBAIR    NAM    BAN. 


Bu  mhaith  leinn  aire  ar  luchd-leughaidh  a  tharr- 
uing  a  dh'  ionnsaidh  na  h-obrach  a  tha  boirionn- 
aich  na  h-eaglais  a'  deanarah  ann  an  aobhar  an 
t-soisgeil.  Cha'n'eil  cul-taice  aig  a'  mhinisteir 
anns  an  sgireachd  a's  fhearr  no  na  mnalhan. 
Ma  tha  dad  ri  dheanamh  mu'n  eaglais  is  ann 
riuthsan  a  dh'  fheumar  sealltuinn.  Ma  tha  e  'g 
iarraidh  luchd  teagaisg  airson  na  sgoil  Shabaid, 
is  ann  am  measg  nam  boirionnach  gu  bitheanta 
a  gheibh  e  iad.  Ma  tha  airgiod  ri  chruinn- 
eachadh  airson  aobhar  feumail  sam  bith  's  nach 
'eil  fhios  aig  a'  mhinisteir  co  as  a  thig  e,  nach  ann 
ri  Comunn  nam  Ban,  no  mar  theirear  'sa  Bheurla- 
— Women's  Guild — a  ni  e  ghearan  ?  Mur  b'e 
na  tha  iadsan  a'  deanamh  airson  na  h-eaglais^ 
cha  mhor  sgireachdan  air  nach  biodh  naire  'nuair 
a  chi  iad  na  cunntasan  aig  deireadh  na  bliadhna. 
An  dara  leth  de'n  airgiod  a  th'  air  a  thogail,  is  e 
iadsan  a  tha  'ga  dheanamh.  Cha'n  ioghnadh  ged 
a  bhiodh  am  ministear  an  comain  nam  ban,  's 
ged  a  bhiodh  meas  mor  aig  orra  ann  an  gradh 
air  son  an  oibre.  Tha  e  furasda  gu  leoir  fhaicinn 
o  leabhraichean  na  h-eaglais  gur  h-e  na  sgir- 
eachdan a's  motha  a  tha  cuideachadh  an  t-soisgeil 
aig  an  tigh  's  o'n  tigh,  na  sgireachdan  anns  a 
bheil  Guild  nam  ban.  B'  fhasa  do'n  eaglais 
deanamh  as  eugmhais  fhoirfeach  seach  deanamh 
-as  eugmhais  obair  nam  boirionnach.  Cha  'n  e 
mhain  gu  bheil  iad  a'  cuideachadh  gach  aobhar 
a  bhuineas  do'n  eaglais,  aig  an  tigh  ach  tha  iad 
a  thuilleadh  air  sin  a'  cumail  air  aghaidh  leotha 
fhein  obair  shoisgeulach  ann  an  tirean  cein — ann 
an  China,  ann  an  Africa,  's  anns  na  h-Innsean 
an  eaa.  An  uiridh  bha  tri  fichead  boirionnach 
'sa  deich  aig  a'  Chomunn  so  ag  obair  anns  na 
duthchannan  thairis,  agus  corr  is  da  cheud  de 
bhoirionnaich  na  duthcha,  a  bha  roimhe  so  air 
an  iompachadh.  Tha  ceithir  no  coig  de  thighean- 
eiridinn  aca  agus  corr  is  leth  cheud  sgoil.  Anns 
na  sgoilean  sin  tha  ceithir  mile  de  chloinn  a' 
faotainn  teagasg  ann  an  eolas  na  firinn.  An 
uiridh  fhuair  fichead  mile  duine  fasgadh  anns  na 
tighean-eiridinn,  's  bha  moran  dhiu  sin  air  an 
leigheas.  Bha  coinneamhan  soisgeulach  air  an 
gleidheadh  ann  an  naoi  fichead  aite  's  na  duth- 


channan dorcha  sin.  Tha  na  mnathan  a'  dean- 
amh obair  fhiachail,  's  air  reir  coltais  tha  cothrom 
aca  faotainn  gu  cridhe  'n  t-sluaigh  mar  nach 
faigh  fir.  Tha  cor  nam  boirionnach  anabarach 
bronach  anns  na  cearnaibh  de'n  t-saoghail  air 
nach  do  rainig  solus  an  t-soisgeil  fhathast,  agus 
tha  e  iomchuidh  gu  feuchadh  iadsan  a  fhuair 
saorsa  iad  fhein  le  soisgeul  Chriosd,  ri  saorsa  is  ' 
solus  is  misneach  a  thoirt  a  dh'  ionnsuidh  am 
peathraichean  a  th'  ann  an  trailleileachd.  'Nuair 
a  chi  na  duthchanna  borb  gu  bheil  gradh  Chriosd 
a'  co-eigneachadh  a  dheisciobul  na  boc.hdan  a 
chuideachadh,  a  chlann  a  theagasg,  a'  mhuinntir 
thinn  a  leigheas,  bidh  an  soisgeul  dhaibh  'na 
sgeul  aoibhneach.  Ann  an  laithean  fheola  thuirt 
an  Slanuighear  —  Fuilingibh  do  na  leanaban 
teachd  'am  ionnsuidh,  agus  ann  truacantachd  a 
chridhe  leighis  e  na  daoine  tinn  a  thugadh  'ga 
ionnsuidh.  Cha  'n  urrainn  an  eaglais  dol  cearr 
le  eiseimpleirsan  a  leantuinn  's  faodaidh  a  dheis- 
ciobuil  a  bhi  cinnteach  gu'n  toir  E  dhaibh  a 
bheannachd  ann  a  bhi  leigheas  creuchdan  am 
braithrean,  's  ann  a  bhi  teagasg  na  cloinne  airson 
rioghachd  Dhe. 

Tha  Comunn  nam  ban  da  eireadh  a'  deanamh 
obair  mhor,  ach  tha  sinn  duilich  a  radh  gu  bheil 
iomaguin  orra  aig  toiseach  na  bliadhna  so  le  cion 
airgid.  Cha'n'eil  an  tighinn-a-stigh  a'  cinntinn 
cho  luath  's  a  tha  'n  obair  a'  fas.  Tha  luchd- 
oibre  gu  leoir  deas  ach  tha  'n  t-airgiod  gann. 
Nan  gleidheadh  na  boirionnaich  na  tha  iad  fhein 
a'  togail  a  dh'  airgiod  o  cheann  gu  ceann  de'n 
bhliadhna  bhiodh  pailteas  aca  airson  na  h-obair 
ann  an  duthchannan  cein.  Ach  cha'n'eil  iad  a' 
deanamh  sin.  Tha  iad  fialaidh.  Tha  iad  a' 
toirt  do'n  h-uile  h-aobhar  ann  an  ceangal  ri 
obair  coimthionailean  na  h-eaglais.  A  dioiim  'j 
gu  bheil  iadsan  a'  cuideachadh  kinne,  cuidicheam- 
aid  leosan.  Bha  ochd  ceud  sgireachd  an 
uiridh  nach  tug  dhaibh  fiu  a'  bhuinn-a-sia.  Is 
mor  an  naire  e.  Air  cho  beag  's  ga'm  bi  'n 
tabhartas,  bu  choir  do'n  h-uile  sgireachd  rud-eigin 
a  dheanamh.  Tha  tri  mile  barrachd — £3000 — 
a  dhith  orra  am  bliadhna  's  tha  sinn  an  dochas 
gu  faigh  iad  e.  An-aoibhin  do'n  Eaglais  a 
chuireas  ann  an  suarachas  aithne  Chriosd — 
Imichibh  agus  deanaibh  deisciobuil  do  gach  uile 
chinneach.  Gus  an  toir  an  Eaglais  geill  do'n 
fhacal  sin,  cha'n  urrainn  i  an  gealladh  a  tha  'na 
chois  a  thagradh — Feuch  a  ta  mise  maille  ribh  a 
ghnath,  gu  deireadh  an  t-saoghail. 


EOLAS    NA   SIDE. 


Bha  da  bhodach  a'  tigh'nn  dhachaidh  as  an 
eaglais  air  latha  Sabaid.  Thachair  gur  h-e  latha 
Martainn  Builg  a  bh'  ann  's  shil  an  t-uisge.  Is 
beag  feum  na  duthcha,  arsa  fear  dhiu,  air  sia 
seachduinnean  uisge.     Thuig  am  fear  eile  gu  de 


bha  'na  inntinn  's  thuirt  e — Tut,  tut,  Eachainn, 
cha'n'eil  thusa  creidsinn  ann  am  faoineis  de'n 
t-seorsa  sin.  Thug  Eachann  suil  gheur  air  a 
chompanach  mar  gu'm  biodh  rud-eiginn  air  dol 
cearr  air 's  thuirt  e — A'  bheil  thu  fhein  'ga  chreid- 
sinn  Eoghain.  Cha  'n  'eil,  ars'  Eoghan.  Ubh, 
ubh,  a  bhronain,  ars'  Eachann,  a'  bheil  thu  idir 
a'  creidsinn  an  rud  a  th'  anns  a'  Bhiobull.  Cha'n 
fhaca  mi  riamh  dad  ann  mu  latha  Martainn 
Builg,  ars'  Eoghann.  Ma  dh'  fhaoite  nach  faca, 
ars'  Eachann,  ach  nuair  a  iheid  thu  dhachaidh, 
leugh  a  rithist  e. 

Ged  nach  abradh  iad  gu  bheil  e  anns  a' 
Bhiobull,  tha  moran  de'n  aon  bheachd  ri  Each- 
ann, gu  bheil  buaidh  aig  latha  Martainn  Builg 
air  an  t-sid  a  bhios  'na  dheigh.  Theireadh  na 
seann  daoine  nam  biodh  leaba  thioram  aig  an 
fhiadh  air  latha  Martainn  Builg,  nach  faicte 
uisge  gu  foghar.  Uair  a  bhios  sin  ceart  is  da 
uair  nach  bi,  ach  a  dh'  aindeoin  gu  de  a  their 
luchd  nan  gloineachan,  tha  an  seann  fhacal  so 
air  a  chreidsinn  le  moran. 

Cha  mhor  thighean  anns  an  cuir  duine  a  chas 
an  diugh  anns  nach  tachair  gloine  side  air  aig 
cul  an  doruis.  Cha  deanar  feum  as  eugmhais. 
A'  cheud  rud  a  ni  fear  an  tighe  'sa  mhaduinn,  'se 
suil  a  thoirt  air  a'  ghloine,  agus  an  drasd  'sa 
rithist  fad  an  latha  bheir  e  gnog  air  anns  an 
aodann  feuch  gu  de  a  tha  e  'g  radh.  'Nuair  a 
thachras  e  ort  air  an  rathad,  ma  feoraich  e 
ciamar  a  tha  ihu,  their  e  riut  gu  bheil  an  gloine 
'g  eiridh  no  gu  bheil  e  tuiteam.  'S  bitheanta  ni 
esan  sin  oir  cha'n'eil  an  corr  aige  ri  dheanamh. 
Ged  a  tha  gloine  sine  aig  a'  chuid  a's  motha 
d'am  choimhearsnaich,  'sa  tha  iad  gle  phroiseil 
asda,  cha  d'  fhuair  mi  fear  dhiubh  riamh,  ach 
ged  nach  d'  fhuair,  cha  d'  eirich  tubaist  sam  bith 
dhomh,  's  cha  'n  aithne  dhomh  gu'n  do  rug  an 
t-uisg'  orm  na  bu  bhitheanta  na  rug  e  orrasan. 
'N  uair  a  bhios  'nam  bheachd  dol  o'n  tigh,  theid 
mi  ceum  a  mach  o'n  dorus,  seallaidh  mi  ann  an 
ceithir  airdean  an  adhair,  agus  is  maith  an  gloine 
side  sin.  Bha  gu  leoir  de  dh'  eolas  na  side  aig 
m'athair,  's  chreidinn  e  air  thoiseach  air  luchd 
nan  gloineachan,  ach  cha'n'eil  fhios  agam  ciamar 
a  fhuair  e'n  t-eolas  mar  h-ann  o  bhodach  nagealaich. 
Bha  na  seann  daoine  creidsinn  gu  robh  buaidh 
aig  a'  ghealaich  air  an  t-sid.  Theireadh  iad  nam 
bristeadh  an  t-sid  idir  gur  h-ann  aig  ceathramh 
gealaich.  Theireadh  iad  cuideachd  na'n  tigeadh 
an  solus  iir  a  stigh  Di-sathuirne  gu'm  biodh 
droch  shid  ann.  "Gahhaidh  an  solus  Sathurna 
na  seachd  cuthaich  ma'n  teid  e  mach."  Bha 
moran  nithean  a  dh'  fheumte  fhagail  gun  dean- 
amh  mur  biodh  a'  ghealach  freagarrach.  Bha 
cuid  de  dh'  obair  nach  gabhadh  deanamh  aig 
gob  soillse,  no  am  feadh  'sa  bhiodh  a'  ghealach 
a'  fas,  's  dh'  fheumadh  daoine  feitheamh  gu  san 
rachadh  i  air  a  h-ais  's  am  biodh  i  's  an  earra- 
dhubh.  B'e  "gealach  an  abachaidh  "  solus  a  b' 
fhearr'sa  bhliadhna.  Theireadh  na  seann  daoine 


cuideachd  nach  robh  gaoth  tuath  nadurra  aig^ 
gob  soillse.  Cha  'n  aithne  dhomh  c'arsan,  ach 
chuala  mi  am  facal.  Is  iomadh  uair  a  chuir  e 
ioghnadh  orm  cho  cinnteach  's  a  dh'  innseadh 
seann  daoine  a  b'  aithne  dhomh  atharrachadh 
na  side.  Anns  a'  mhaduinn  shealladh  iad  a 
h-uile  car  a  chuireadh  a'  ghaoth  dhi  gu  trath 
feasgair.  Tha  e  'na  dhroch  comharra  air  an 
t-sid  a  ghaoth  a  bhi  g'  atharrachadh  ro  thric- 
Anns  na  h-eileinean  an  lar  far  am  feumadh 
daoine  fath  a  ghabhail  air  a'  ghaoith  airson  aiseig, 
bha  fhios  aca  gu  maith  gu  de  cho  fada  'sa  leanadh 
i  air  calpa  sam  bith,  's  bha  facal  aca — "A  cheud 
latha  de'n  ghaoth  deas  's  an  treas  latha  de'n 
ghaoth  tuath" — an  latha  b'  fhearr  an  turns  a 
ghabhail.  Bu  mhaith  leis  na  seann  daoine  a 
h-uile  seorsa  side  a  thighinn  'na  trath.  Cha 
robh  earbsa  sam  bith  aca  a  feith  Faoillich  no 
gaoth  luchair.  Theireadh  iad  gu  robh  e  cho- 
neo-nadurra  tairneanach  a  chluinntinn  's  an 
Fhaoilleach  ri  laogh  a  geumraich  am  broinn  a 
mhathar.  Cha  bu  mhaith  leo  an  t-sid  a  bhi. 
blath  anns  an  Fhaoilleach. 

Faoilleach  Faoilleach,  cruth  an  crios, 
Faoilte  mhor  bu  choir  bhi  ris, 
Crodh  is  caoraich  ruith  air  theas 
Gul  is  caoidh  bu  choir  bhi  ris. 
Cha'n'eil  cothrom  agam  an  corr  a  radh  an  drasd,. 
ach  is  docha  gu'n  tig  mi  air  m'  ais  gu  comharraa 
na  side  uair-eigin  eile. 


LAOIDH. 

FONN — Seinnidh  sinn  le  luathghair 
Moladh  binn  'us  buan  Dha, 
Oir  dh'  eirich  E  o'n  uaigh  ud 
Le  buaidh  o  na  marbhaibh. 

Gur  bochd  tha  sinn  an  trksda. 
Air  thurus  'dol  troimh  'n  fliksach, 
'S  an  t-slighe  troimh  Ghleann  Bheica 
'G  ar  fagail  gle  anmhunn. 

Ach,  thigeamaid  le  dinachd, 
'Us  direamaid  am  ffiradh 
A  chunnacas  le  Jacob 

O  neamh  'chum  na  talmhainn. 

An  dream  sin  'thig  le  umhiachd 
A'  gleacadh  air  an  gluinean 
Ri  Aingeal  naomh  a'  Chiimhnaint, 
Cha  tionndar  air  falbh  iad. 

Ach,  bheir  E  uisge  beo  dhaibh, 
'Us  mana  blasd'  mar  Ion  dhaibh, — 
Seadh,  trusgan  'ni  an  cbmhdach, 
'Us  crim  glbir'  nach  searg  ds. 

Cha  bhuail  orr'  teas  na  greine, 
'S  air  gealach  cha  bhi  feum  ac'  ; 
-  Mar  sholus  bi  'dh  E  fhe'in  dhaibh, 
'S  gach  deur  bh'  air  E  air  falbh  uap'. 

O,  seinnidh  iad  gu  siorruidh 
Binn  oran  nuadh  do'n  Trianaid, 
Oir  thaghadh  iad  e  chianaibh 
Bho  chriochaibh  na  talmhainn  ! 
Aird-nam-murachan,  1907.  Anna  Chamaran. 


L-^ 


H 


i 


). 

H 

n 

1 


\ 


I 


I 

^1 


1 

4i 


M 


Air.    2. 


1908. 


TRI   GEALLAIDHEAN. 
An  ti  a  bheir  buaidh: — Taisbean  iii,  5. 


An  uair  a  bha  '11  t-Abstol  Eoin  ann  am  Patmos 
far  an  d'  fhoillsicheadh  dha  na  nithean  a  bha  ri 
tachairt  ann  an  uine  ghearr,  chual  e  guth  mor  a 
dh'  iarr  air  sgriobhadh  gu  Aingeal  nan  seachd 
eaglaisean  'san  Asia.  Tha  an  t-Aingeal  a'  ciall- 
achadh  Easbuig  no  Fear-riaghlaidh  na  h-eaglais, 
agus  'ga  ionnsuidh-san  sgriobh  an  t-Abstol  ciod 
a  bha  'n  Spiorad  ag  radh  ris  an  eaglais  a  bh'  air 
a  churam.  Ged  nach  robh  h-aon  de  na  h- 
eaglaisean  iomlan,  bha  cuid  dliiu  a  bha  cathach- 
adh  gu  dileas  airson  a'  chreidimh  an  aghaidh 
moran  naimhdean ;  agus  anns  na  Htrichean  a 
chuireadh  thucasan  tha  cronachadh  air  a  mheasg- 
adh  le  moladh.  Ach  cha  do  mholadh  eaglais 
Shardeis.  Cha  ghabhadh  sin  deananih.  Is 
aiihne  dhomh  t'  oibre,  gu  bheil  ainm  agad  gu 
hlieil  ihu  beo,  gidheadh  a  ta  thu  marbh.  Nach 
uamhasach  an  teisteanas  sin  air  cor  spioradail  na 
h-eaglais,  air  a  thoirt  oirre  leis  an  Ti  d'  am  b' 
aithne  a  h-obair,  's  nach  dean  mearachd  ann  am 
breitheanas  !  Bha  ainm  aig  Sardis  am  measg 
nan  eaglaisean  eile  airson  beatha,  airson  aonachd, 
airson  creidimh,  airson  dilseachd,  agus  cho  fad  's 
a  bu  leir  do'n  t-suil,  bha  i  cho  soirbheachail  's  gu 
robh  farmad  aig  each  rithe.  Bha  i  Ian  thoilichte 
leatha  fhein,  a'  toirt  taing  do  Dhia  nach  robh 
ise  co-dhiu  coltach  ri  eaglais  Laodicea.  Cha  'n 
ioghnadh,  mata,  ged  a  chromadh  na  seanairean 
an  cinUj  an  uair  a  leugh  an  t-Easbuig  'nan  eisd- 
eachd  air  latha  Sabaid  an  litir  a  bha  'ga  dhiteadh 
fhein  's  a'  diteadh  a  shluaigh — is  aithne  dhomh 
t-oibre,  gu  bheil  ai^im  agad  gu  bheil  thu  beo, 
gidheadh  a  ta  thu  marbh.  Briathran  eagallach, 
a  bu  choir  a  bhi  'nan  rabhadh  do  dhaoine  's  do 
dh'  eaglaisean,  oir  cha  'n  'eil  feuni  ann  an  coslas 
na  diadhaidheachd  as  eugmhais  cumhachd  na 
diadliaidheachd.  Cha  'n  'eil  ann  ach  an  t-ainm 
gun  an  tairbhe. 

Cha  robh  cion  cothroim  air  Sardis.  Cha  robh 
na  deuchainean  aice  a  bh'  aig  na  h-eaglaisean 
eile,  ach  cha  b'  fheairrd  i  sin  dad.  Bha  na 
Nicolaitich  a'  cur  dragh  air  Ephesus,  bha  lesebel 
a'  cur  dragh  air  Tiatira,  bha  sionagog  Shatain  a' 
cur  dragh  air  Philadelphia,  ach  bha  Sardis  gun 
dragh,  gun  eagal,  gun  namhaid,  gun  deuchainn. 
Bha  i  tigh'nn  beo  ann  an  sith.  Bha  i  cheana 
cho  saoghalta  's  nach  b'  fhiach  do'n  t-saoghal 
geur-leanmhuinn  a  dheanamh  oirre.  Bha  Satan 
cho  cinnteach  gu  robh  i  cheana  marbh,  's  nach 
b'  fhiach  dha  buille  thoirt  oirre.  Bha  suaimh- 
neas    aice    o   h-oige,    agus    shocruich    i   air   a 


deasgainibh,  agus  cha  do  tharruingeadh  a  mach 
o  shoitheach  gu  soitheach  i,  ni  mo  dh'  imich  i 
am  braighdeanas,  's  air  an  aobhar  sin  mhair  a 
bias  innte  agus  cha  d'  atharraicheadh  a  faile. 
Cha  'n  'eil  e  maith  do  dhaoine  no  do  dh' eaglais- 
ean an  toil  fhein  fhaotainn  daonnan.  An  uair 
a  dh'  fhas  lesurun  reamhar,  bhreab  e  agus  threig 
e  Dia,  's  rinn  e  dimeas  air  carraig  a  shlainte. 

Ach  bha  beagan  ainmean  eadhoin  ann  an 
Sardis  nach  do  shalaich  an  aodach,  agus  dhaibh- 
san  thug  Ceann  na  h-Eaglais  na  tri  geallaidhean 
mora  so: — 

1.  Sgeadaichexr  iad  ann  an  aodach  geal. 

2.  Cha  dubh  mi  mach  an  ainm  a  leabhar  na 
beatha. 

3.  Aidichidh  mi  iad  am  fianuis  m'  Athar. 

j  Is  e  iadsan  a  bheir  buaidh  a  shealbhaicheas 
na  geallaidhean  so,  's  tha  na  geallaidhean  'nan 
samhladh  air  a'  ghloir  a  bhios  air  a  foillseachadh 
aig  teachd  Chriosd,  's  air  an  aoibhneas  a  tha 
feitheamh  air  sluagh  an  Tighearn  ann  an  oigh- 
reachd  nan  naomh. 

I.  Sgeadaichear  iad  ann  an  aodach  geal. 
Anns  a'  BhiobuU  tha  geal  'na  shamhladh  air 
gloir  is  gloine,  air  neamh  is  naomhachd,  air 
buaidh  is  neo-chiontachd.  Iadsan  a  fhuair 
maitheanas  peacaidh  bidh  iad  geal  mar  an 
sneachda,  no  mar  olainn,  Isaiah  i,  18.  I'ha  na 
h-ainglean  air  an  sgeadachadh  ann  an  culaidhibh 
geala,  Eoin  xx,  r2.  An  uair  a  chunnaic  na 
deisciobuil  gloir  an  t-Slanuighear  air  a'  bheinn 
rinneadh  'eudach  dealrach,  ro  gheal  mar  an 
sneachda.  Marc  ix,  3.  Tha  caithir  breitheanais 
Dhe 'na  righ-chaithir  nihor  gheal,  Taisb  xx,  11. 
Nigh  na  tjaoimh  an  tr-usgain,  agus  rinn  iad  geal 
iad  ann  am  full  an  Uain,  Taisb  vii,  20.  Nach 
faod  sinn  a  radh  gu  bheil  an  gealladh  so  a'  ciall- 
achadh  gu'm  bi  sluagh  an  Tighearn  air  an 
criinadh  le  crun  na  naomhachd  ann  an  rioghachd 
an  t-soluis.  Cha  'n  'eil  anns  an  naomhachd  air 
an  do  rainig  iad  air  thalamh  ach  earlais  de'n 
oighreachd,  ach  ann  an  neamh  gheibh  iad  an 
oighreachd  na  h-iomlanachd. 

So  dbchas  ait  nan  anraa  naomh, 
O'n  Slanuighear  caomh  an  tras  ; 
A  thug  an  Spiorad  dhaibh  maraoiv, 
Mar  sheul  is  earlais  graidh. 

Co,  mata,  a  chrimar  le  naomhachd  shuas? 
Iadsan  aig  a'  bheil  gradh  do  naomhachd  a  bhos. 
Tha  ceangal  eadar  neamh  is  talamh.  Cha  'n 
atharraichear  cridhe  duine  aig  uair  a  bhais.  Is 
ann  air  an  steidh  a  leag  sinn  anns  an  t-saoghal 
so  a  bhios  sinn  a'  togail  fad  linntean  na  siorruidh- 
eachd.       Esan  a  bha  eucorach,  bidh  e  fas  ni  's 


6 


eucoraiche,  agus  esan  a  bha  naomh  bidh  e  fas 
ni  's  naoimhe.  Air  reir  an  t-sil  a  chuireas  sinn, 
buainidh  sinn.  Cha  'n  urrainn  na  creidmhich 
a's  fhearr  a  radh  ach  gu  bheil  an  naonnhachd-san 
mar  gu'm  biodh  fochann  6g.  Ach  biodh  iad  fo 
dheadh  mhisnich.  Cha  chuir  am  bas  stad  air  a 
chinneas,  fasaidh  am  fochann  agus  thig  e  fo 
dheis  agus  abaichidh  e  air  taobh  thall  na  h- 
aibhne.  Is  iomadh  duileadas  agus  dearbhadh  a 
thachras  air  Criosduidhean  air  an  turus  's  an 
t-saoghal  so,  agus  is  iomadh  uair  a  dh'  fheumas 
iad  cathachadh  eadhoin  gu  fuil,  ach  tha  dochas 
aca  ri  nithean  a's  fearr,  agus  cha  mheasar  leo 
fulangais  na  h-aimsir  a  ta  lathair  bhi  air  an 
coimeas  ris  a'  ghloir  a  dh'  fhoillsichear  dhaibh 
aig  teachd  Chriosd-  Cha  'n  fhaca  suil,  's  cha 
chuala  cluas,  agus  cha  d'  thainig  ann  an  cridhe 
duine,  na  nithean  a  dh'  ulluich  Dia  dhaibhsan 
aig  a  bheil  gradh  dha.  Chi  iad  an  Righ  'na 
mhaise  agus  an  tir  a  tha  cian  fad  as.  Crioch- 
naichear  laithean  am  broin  agus  ithidh  iad  de 
chraoibh  na  beatha.  Bidh  laithean  am  braighd- 
eanais  thairis  agus  gluaisidh  iad  ann  an  saorsa 
ghlormhor  cloinne  Dhe.  Cuiridh  iad  dhiu  na 
luideagan,  agus  sgeadaichear  iad  ann  an  aodach 
geal. 

II.  Cha  duhh  mimach  an  ainni  a  leabhar  na 
beatha.  Is  aithne  do'n  Tighearn  a  shluagh 
fhein.  Tha  an  ainmean  sgriobhta  ann  an 
leabhar  diomhair  nach  faca  suil  duine.  Tha  an 
eaglais  air  thalamh  a'  gleidheadh  leabhraichean 
anns  a'  bheil  ainmean  an  luchd  comanachaidh, 
agus  faodar  na  h-ainraean  sin  a  leughadh.  Ach 
tha  leabhar  comanachaidh  eile  air  neamh,  air  a 
sgriobhadh  le  lamh  an  De  bheo,  agus  mur  h-eil 
ar  n-ainmean  's  an  leabhar  sin,  is  beag  tairbhe 
dhuinn  iad  a  bhi  sgriobhta  ann  an  leabhar  na 
h  eaglais.  Bhiodh  cuid  de  na  seann  diadhairean 
ag  radh  nach  h-urrainn  duine  tuiteam  gu  buileach 
o  ghras,  ach  tha  am  facalso  a'  cur  'nar  cuimhne 
gu  faod  ainm  a  bha  aon  uair  sgriobhta  ann  an 
leabhar  na  beatha  bhi  air  a  dhubhadh  a  mach. 
Faodaidh  daoine  grks  Dhe  fhaotainn  ann  an 
diomhanas,  faodaidh  an  coinnleir  a  bhi  air 
atharrachadh  as  ait,  ma  bheir  iad  thairis 
's  nach  ciim  iad  gu  daingean  an  ni  a  fhuair 
iad.  Is  e  iadsan  a  mhain  a  bhios  firinn- 
each  gu  bas  a  gheibh  crim  na  beatha,  agus  ge 
b'e  bhuanaicheasgus  a'  chrioch,  is  e  so  a  thearn- 
ar.  Oir  is  eucomasach  an  dream  sin  a  chaidh 
aon  uair  a  shoillseachadh,  agus  a  bhlais  an 
tiodhlac  neamhaidh,  agus  a  rinneadh  'nan  luchd- 
comhpairt  do'n  Spiorad  naomh,  agus  a  bhlais 
deagh  fhacal  De,  agus  cumhnachdan  an  t-saogh- 
ail  ri  teachd,  agus  a  thuit  air  falbh,  athnuadh- 
achadh  chum  aithreachais,  Habh  v,  4.  Bha 
eaglais  Shardeis  aon  uair  beo,  ach  leig  i  dhith  a 
bhi  deanamh  faire  's  fhuair  i  bas.  Cha  robh 
ach  beagan  ainmean  nach  do  dhubhadh  a  mach 


a  leabhar  na  beatha.  Nach  mor  an  t-aobhar  gaird- 
eachais  do  chlann  na  rioghachd  gu  bheil  an  ainm- 
ean sgriobhta  ann  an  leabhar  Dhe?  Is  iomadh  uair 
a  mhisnich  Pol  a  chairdean  leis  an  fhacal  so, 
agus  nach  iomadh  uair  a  bhios  e  'na  mhisnich 
dhuinn  uile?  Bheir  e  misneach  do  na  daoine  aig 
a'  bheil  deich  talannan,  ach  bheir  e  gu  son- 
ruichte  misneach  do  'n  t-seirbhiseach  aig  nach 
'eil  ach  aon  talann.  Ma  bhios  sinn  dileas  is 
dichiollach,  air  cho  beag  's  ga  'm  bi  ar  comasan 
no  ar  seirbhis,  aidichidh  Criosd  ar  saothair  agus 
cunntaidh  e  sinn  'nar  comh-oibrichean  maille 
ris  fein.  Ged  nach  aithne  do  'n  t-saoghal  ar  n- 
ainmean,  's  ged  nach  bi  iad  air  chuimhne  am 
measg  dhaoine  an  deigh  ar  bais,  cha  dichuimh- 
nich  Dia  a  sheirbhisich,  's  cha  dubhar  a  mach  an 
ainm  a  leabhar  na  beatha. 

III.  Aidichidh  mi  an  ainm  am  Jianuis  ??i' 
Athar.  An  deigh  a'  bhlair,  bidh  ceannard  an 
airm  anns  na  litrichean  a  bhios  e  'cur  gu  Comh- 
airle  an  Righ,  ag  ainmeachadh  na  saighdearan  a 
rinn  treubhantas  's  a'  chath.  Cha  mheasadh  an 
saighdear  cruadal  air  bith  ro  chruaidh  no  cunn- 
art  air  bith  ro  mhor,  nam  faigheadh  'ainm  aite 
anns  an  litir  sin.  Bu  leor  an  duals  e,  cha  'n 
iarradh  e  gloir  a  bu  mhotha,  's  rachadh  e  troimh 
theine  's  uisge  air  a  shon.  Agus  gu  de  an  duals 
no  an  t-urram  a  b'  airde  a  b'  urrainn  seirbhisich 
Chriosd  fhaotainn  na  gu  'n  aidicheadh  esan  an 
ainm  am  fianuis  'Athar,  gu'n  abradh  E — is  e  so 
iadsan  a  dh'  fhan  maille  rium-sa  ann  am, 
dheuchainnihh.  Agam-sa,  ars'  an  t-Abstol  P61, 
is  ro  bheag  an  ni  gu  'n  tugta  breth  orm  le  breith- 
eanas  duine,  is  e  an  Tighearn  an  ti  a  bheir  breth 
orm,  I  Cor.  iv,  3.  Nach  suarach  do  dhuine  gu 
de  a  their  an  saoghal  ris,  ma  tha  e  'ga  nochdadh 
fein  dearbhta  do  Dhia,  'na  fhear  obrach  nach 
ruig  a  leas  naire  a  ghabhail.  Iadsan  a  dh' 
aidicheas  Criosd  air  thalamh,  's  a  leanas  e  troimh 
urram  agus  eas-urram,  troimh  mhi-chliu  agus 
dheagh  chliu,  ann  am  fior-ghloine,  ann  am  fad 
fhulangas,  ann  an  caoimhneas,  anns  an  Spiorad 
naomh,  ann  an  gradh  gun  cheilg,  ann  an  cumh- 
achd  Dhe,  aidichidh  Esan  an  ainm-san  am 
fianuis  'Athar  air  neamh. 

'San  la  sin  faillichidh  e  m'  ainm. 

An  lathair  'Athair  chaoimh; 

Is  sealbh  san  Nuadh  lerusalem 

Do  m'  anam  bheir  le  naoimh. 


AM   PIOBAIRE    BREAC. 


Ma  's  fior  na  leughar  's  na  paipearan  naigheachd 
tha  'n  t-am  aig  na  radain  na  toill  a  thoirt  orra. 
Mur  biodh  an  toir  orra  ach  na  cait,  dh'  fhaodadh 
iad  a  bhi  car  coma,  mur  h-eil  cait  dhaoin'  eile 
ni  's  easgaidh  gu  sealg  na  'n  cat  againne.  Thae 
aig  a'  cheart  mhionaid  so  'na  luidhe  mu  choinn- 


i 

I 


eamh  na  griosaich,  'na  shuain  chadal.  Ach  nach 
e  dh'  fhaodas?  Tha  'Ion  cinnteach  dha,  's  cha 
'n  'eil  e  faicinn  gu  bheil  reusan  sam  bith  aige,  e 
fhein  a  sharuchadh.  Air  sgath  a  naire,  bidh  e 
toirt  sgriob  sios  do'n  t-sabhal  mu  thrath  feasgair, 
's  a'  leigeadh  air  gu  bheil  e  'sealg,  ach  tha 
Lachainn  ag  innseadh  dhomh  gu  robh  cho  mhaith 
do  'n  t-sabhal  a  bhi  as  eugmhais.  Tha  na  radain 
a'  fas  cho  eolach  air  a  dhoighean  's  gu  bheil  lad 
a'  gabhail  brath  air  an  aitreabh  so  gu  buileach. 
Bitear  ag  iarraidh  orm  a  bhathadh,  ach  cha  dean 
mi  sin.  Tha  sinn  'nar  deagh  chompanaich  's 
cha  do  chuir  sinn  riamh  a  mach  air  a  cheile. 
Ged  a  bhios  an  corr  de  'n  teaghlach  a'  gearan 
air,  's  a'  toirt  dha  ruith  de  'n  teangaidh  airson  na 
leisge,  tha  f hies  aige  gle  mhaith  gur  f urasda  dha 
maitheanas  fhaotainn  o  'mhaighstir. 

Ach  tha  namhaid  ur  aig  na  radain  am  bliadhna. 
Tha  Comunn  air  a  chur  air  bonn  ann  an  Lunn- 
ainn  aig  a'  bheil  e  mar  chrioch  araidh  cur  as  do 
na  radain.  Cha  robh  mi  fhein  riamh  anabarach 
toigheach  air  na  creutairean  suarach,  ach  bha 
car  de  dh'  amharus  agam  gu  bheil  feum  air  chor- 
eigin  annta  anns  a'  chruthachadh,  's  gu  bheil  iad 
a'  deanamh  seirbhis  airson  an  loin.  Ach  tha  an 
Comunn  ur  so  a  thoisich  ann  an  Lunnain  ag 
radh  nach  'eil  na  radain  a'  deanamh  feum  idir 
ach  moran  uilc.  Tha  iad  a'  cur  as  an  leth  gu 
bheil  iad  a'  giulan  galair  is  plaigh  o  aite  gu  aite, 
's  a  milleadh  slainte  na  duthcha.  Tha  moran 
lighichean  is  luchd  ealain  air  a'  Chomunn,  's 
faodaidh  sinn  a  chreidsinn  nach  'eil  iad  a' 
bruidhinn  air  thuaireim,  ach  gu  bheil  dearbhadh 
aca  air  na  tha  iad  ag  radh.  Is  coltach  gur  h-e 
na  radain  a  bhios  a'  giulan  na  plaighe  o  bhaile 
gu  baile  anns  na  h-Innsean  an  Ear,  's  gur  h-iad 
a  b'  aobhar  do'n  phlaigh  rahilltich  a  bh'  ann  an 
Lunnain  ann  an  1665,  a  thug  air  falbh  leth  an 
t-sluaigh.  Faodaidh,  mata,  radain  a'  bhaile 
mhoir  a  bhi  bogadh  nan  gad,  bh6idich  daoine 
glic  agus  eagnaidh  a'  Chomuinn  uir  so,  nach  bi 
fear  dhiu  a  lathair  mu'n  am  so  an  ath-bhliadhna, 
ma  ghabhas  sin  deanamh  le  cait  is  abhagan  is 
puinnsean. 

Ach  tha  mi  'n  dochas  nach  eirich  do  'n  Chom- 
unn mar  a  dh'  eirich  do  mhuinntir  Hamelin. 
Faodaidh  sinn  an  t-seann  sgeulachd  innseadh 
airson  na  h-oigridh.  O  chionn  fada  nan  clan,  an 
uair  a  bha  'n  saoghal  bg  's  a  labhradh  na  h-eoin 
Greugais,  bha  baile  's  an  airde  n-iar  d'  am  b'ainm 
Hamelin.  Bha  e  'na  chaithir  aluinn — abhainn 
Ueser  a'  siubhal  seachad  air  gu  reidh  samhach, 
far  am  biodh  a'  chlann  a'  cluich  's  na  tunnagan 
a'  snanih.  Bha  muinntir  Hamelin  'nan  daoine 
c6ir,  bha  sith  is  sonas  aca,  gach  ni  a  riaraicheadh 
an  t-suil  no  bheireadh  solas  do'n  chridhe.  Ach 
latha  de  na  laithean,  mar  a  bha  'n  tubaist  'san 
dan,  thainig  sgaoth  de  radain  orra  air  imrich  o'n 
airde  near.  Cha  'n  fhac  iad  riamh  roimhe  an 
seorsa  creutair  ud,  bha  iad  na  bu  lugha  na  piseag 


's  na  bu  mhotha  na  seilcheag,  ach  bha  muinntir 
Hamelin  'nan  daoine  coir  's  thug  iad  dhaibh 
aoidheachd.  Ach  ma  rinn  iadsan  sin  thoisich 
na  radain  air  las  lionmhor.  Bhiodh  cbig  ail  aca 
'sa  bhliadhna,  agus  deichnear  air  a  h-uile  turns 
gus  mu  dheireadh  an  robh  iad  an  impis  am  baile 
chur  fodhpa  fhein.  Thug  na  cait  am  monadh 
orra  le  h-eagal,  bhath  na  coin  iad  fhein  le  briste- 
cridhe,  's  dh'  fhag  iad  na  radain  gu  bhi  'g  ol  a' 
bhainne  's  ag  itheadh  a'  chaise.  Cha  'n  fhaodte 
leanabh  fhagail  anns  a'  chreathaill  air  eagal  gu  'n 
itheadh  iad  e;  dh'  fheumadh  fear  an  tighe  an 
ad  shearmoin  a  chur  fo  ghlais  air  eagal  gu  'm 
beireadh  an  radan  al  innte,  's  o  mhoch  gu  dubh, 
o  cheann  gu  ceann  de  'n  bhaile  cha  chluinnte 
fuaim  ach  sgreachail  nam  biastean.  Mu 
dheireadh  thall,  dh'  fhas  muinntir  Hamelin 
seachd  sgith  de'n  cheol  's  rinn  iad  gearan  ri  sean- 
airean  a'  bhaile.  Ghairmeadh  an  sluagh  gu 
talla  na  Comhairle  ach  an  uair  a  bha  na  seanair- 
ean  's  an  sluagh  a'  cur  an  cinn  ri  cheile  mu'n 
ghnothuch,  chualas  gnog  aig  an  dorus,  's  a  steach 
am  measg  na  cuideachd  thainig  dealbh  duine  a 
thug  air  na  seanairean  gaire.  Co  bha  so  ach  am 
Piohaire  Brea.c,  cbta  fad'  air  o  mhullach  gu 
bonn,  's  an  dara  taobh  dhe  dearg  's  an  taobh 
eile  buidhe.  Bha  e  cho  fada  ri  crann  soithich 
's  cho  caol  ri  snaghaid,  suil  bheag  bhiorach  'na 
cheann  's  gun  roinne  feusaig  air  aodann.  Rinn 
am  Piobaire  beic  do  na  h-uaislean,  's  labhair  e — 
"Is  mis'  am  Piobaire  Breac.  Thug  Righ  an 
Domhain  dhomh  gliocas  an  da  shaoghail,  agus 
is  aithne  dhomh  na  h-eolais,  's  na  gisreagan,  's 
na  h-ubagan,  na  siain,  's  na  h-oraidh  a  dh' 
oibricheas  bas,  'sa  chaomhneas  beatha.  Tha 
piob  airgid  ann  am  bhroilleach,  leis  an  cuir  mi 
fo  gheasaibh  gach  creutair  anns  an  do  sheid 
anail ;  mar  a  tharruingeas  a'  ghrian  na  reultan  's 
a  tharruingeas  a'  ghealach  na  h-uisgeachan,  tarr- 
uingidh  mise  as  mo  dheigh  an  eunlaith, 
beathaichean  ceithir  chasach  agus  creutairean 
snaigeach,  's  ma  bheir  sibh  dhomhsa  mile  bonn 
airgid,  cha  chluinnear  sgriach  radain  ann  an 
Hamelin  an  nochd."  "  Buaidh  leis  a'  Phiohaire 
Bhreac"  arsa  fear  de  na  seanairean  ;  "dean  thusa 
sin  agus  is  leat  an  t-airgiod." 

A  mach  ghabh  am  piobaire.  Chuir  e  phiob 
'na  bheul  's  cha  luaithe  sheid  e  i  no  thaom  na 
radain  a  mach,  a  toill  's  a  tighean,  a  seomraich- 
ean  's  a  simileirean.  radain  bheaga  's  radain 
mhora,  radain  dhubha  's  radain  ruadha,  'na 
ficheadan  's  'nan  ceudan,  a'  leantuinn  a'  phiob- 
aire  o  shraid  gu  sraid,  o  thom  gu  tom,  gu 
h-iollagach  gu  h-aighearach,  gus  an  do  rainig  iad 
abhainn  Ueser,  far  do  thuit  iad  muin  air  mhuin 
anns  an  uisge  's  far  an  robh  iad  air  am  bathadh, 
ach  aon  radan  mor  reamhar  a  fhuair  gu  tir. 
Chuir  esan  a  chitl  ris  an  airde  'n  iar  's  aghaidh 
ris  an  airde  'n  ear,  rainig  e  tir  a  dhiithchais  's 
bhiodh  e  'g  innseadh   na  sgeoil  so  do  na  radain 


oga,  's  aig  arraidh  orra  baile  Hamelin  a  sheachnadh. 

"  Is  maith  a  fhuaras  am  piobaire,"  arsa  fear 
de  na  seanairean,  "  thugaibh  dha  deoch,  's  buail- 
ibh  cluig  a'  bhaile  le  gairdeachas."  "  Air  d' 
aithis,"  ars'  am  piobaire.  "  Far  dhomhsa  mo 
dhuais  's  an  sin  deanaibh  iolach."  "  Duals," 
ars'  na  seanairean  uile  's  lad  a'  gaireachduinn, 
"cha  robh  sinn  ach  ri  feala-dha  ;  b'e  sin  an  dol- 
aidh  mile  bonn  airgid  a  thoirt  do  phiobaire 
breac."  "  Mur  toir,"  arsa 'm  piobaire,  "  bidh 
car  eile  'n  ruidhle  bhodaich." 

A  mach  ghabh  am  Piobaire  Breac  a  rithist. 
Sheid  e  phiob  's  a  leithid  de  cheol  cha  chualas  o 
thus  an  domhain  's  a  chluinnear  gu  deireadh  na 
dilinn.  Bha  e  na  bu  bhinne  na  guth  smeoraich, 
's  bha  e  cho  tiamhaidh  's  gu  'n  taladh  e  na  sionn- 
aich.  Cha  luaithe  sheid  e  phiob  no  thaom  a' 
chlann  a  mach,  a  sraidean  is  cul  shraidean,  a 
sgoilean  is  tighean,  brogaich  bheaga  's  brogaich 
mhora,  cailleagan  is  leanaban,  gu  h-ioUagach  's 
gu  h-aighearach,  a'  dannsadh  's  a  leumraich,  a' 
bualadh  am  bas  's  a'  gaireachduinn  ri  ceol  a' 
phiobaire.  Dh'  fhag  iad  am  baile  'nan  deigh  's 
chuir  iad  an  aghaidh  gu  siar  gus  an  do  rainig  iad 
beinn  ghorm.  Dh'  atharraich  am  piobaire  ceol, 
's  cha  luaithe  rinn  e  sin  no  dh' f  hosgail  a'  bheinn 
roimhe  's  chaidh  e  fhein  's  na  bha  na  dheigh  a 
steach,  ach  aon  ghille  criibach  nach  robh  cho 
luath  ri  each  's  nach  do  rainig  a'  bheinn  gus  an 
robh  an  dorus  diiinte. 

Shiubhail  muinntir  Hamelin  shios  is  shuas,  a 
bhos  is  thall  ag  iarraidh  na  cloinne  ach  cha  robh 
a'  chlann  ri  faotainn.  Bheireadh  na  seanairean 
■  na  bh'  aca  de  'n  t-saoghal  'nan  tilleadh  am 
Piobaire  Breac  air  ais  leis  a'  chloinn  ach  mur 
tainig  e  o'n  am  so  'n  de  cha  d'  thainig  e  fhathast. 
Dh'  fhaodadh  an  sgeulachd  a  bhi  ni  b'  fhaide, 
ach  tuigidh  daoine  glic  a  brigh  's  cha  dean  i 
cron  do  na  h-amadain  : — 

Ma  thug  tliii  yealladh  ciim  ri  d'  fhacal, 

'S  nia  rinn  thu  dannsadh,  2)aigh  am  jAobair'. 


AN    DEARBHADH. 


fasgadh.  Ach  cha  b'  e  sin  bu  mhiosa.  B'  e  an 
ni  a  ghoirtich  a  chridhe,  gu  'n  deanadh  an  t-aing- 
eal  naomh  a  leithid  de  dh'  olc.  Dh'  fheuch  e  ri 
thuigsinn,  ach  mar  a  bu  mhotha  smaointicheadh 
e  air,  is  ann  bu  duirche  bha  gniomh  an  aingil  a' 
fas,  gus  mu  dheireadh  an  do  thoisich  e  air  teag- 
amh  a  chur  anns  na  nitheau  neamhaidh  a  dh'innis 
an  teachdaire  dha  ann  am  briathran  cho  taitneach. 
Mheall  e  mi,  ars'  esan,  's  leis  an  fhacail  sin  dh' 
eirich  e  's  chuir  c  roimhe  tigh  iir  a  thogail,  Ach 
an  uair  a  thoisich  e  air  cladhachanns  an  t-seann 
laraich,  f  huair  e  fo'n  bhalla  cupan  a  bha  Ian  de 
dh'  or.  Cha  mhor  nach  do  stad  a  chridhe  le 
meud  an  t-saoibhreis,  thogadh  e  tigh  iir  dha  is 
moran  tuilleadh.  Thuit  e  air  a  ghluinean  's 
mhol  e  Dia  oir  thuig  e  carson  a  thainig  an 
t-aingeal  'ga  ionnsuidh.  Dhearbhadh  e  le  teine 
's  thainig  na  facail  a  labhair  an  t-aingeal  anns  an 
oidhche  gu  chridhe — A  ia  ar  n-ainhghar  eutrum, 
nach  'eil  ach  re,  sealain,  ag  oihreachadh  dhuinne 
from  chudthrom  gloire  a  ta  sior  mhaireannach. 


Cha  robh  ann  ach  duine  bochd  ach  bha  e  diadh- 
aidh.  Bha  e  comhnuidh  leis  fhein  ann  an  tigh 
tugha  's  a  solaradh  air  son  a  15in  gu  dichiollach. 
Cha  bu  trie  leis  aodann  duine  fhaicinn  oir  bha 
'n  gleann  uaigneach,  ach  aon  latha  ann  an  ciar- 
adh  an  fheasgair  thainig  coigreach  a  dh'ionnsuidh 
an  doruis.  Co  bha  so  ach  aingeal,  's  thug  an 
duine  an  aoidheachd  a  b'  fheair  a  b'  urrainn  e 
do'n  teachdaire  naomh.  Fad  na  h-oidhche 
labhair  an  t-aingeal  ris  air  nithean  neamhaidh, 
air  maise  na  diadhaidheachd  's  air  gradh  is 
gliocas  Dhe.  Lion  cridhe  'n  duine  le  aoibhneas 
oir  bha  briathran  an  teachdaire  dha  mar  arano 
neamh.  Moch  'sa  mhaduinn  dh'  fhalbh  an 
t-aingeal,  ach  ma  'n  d'  fhalbh  e,  chuir  e  teine  ris 
an  tigh  is  loisgeadh  e  gu  lar.  Theap  cridhe  'n 
duine  bhochd  sgaineadh.  Cha  robh  ait  aige 
anns   an  leagadh  e  'cheann   no  'm  faigheadh  e 


LAOIDH   CLOINNE. 


Gabhaidh  an  laoidh  so  faotainn  ann  an 
Laoidhean  Spioradail." 

Aig  cloinn  tha  caraid  griismhor 

Gu  h  ard  os  cionn  nan  speur, 

An  caraid  caomh  nach  failnich, 

'S  a  ghradh  a  chaoidh  nach  tre'ig, 

Neo-choltach  ris  na  cairdean 

Tha  trial!  gach  la  do'n  uaigh, 

Tha  'n  caraid  so  neo-bhasmhor, 

'S  tha  'ainm  ro  ard  ri  'luaidh. 

Aig  cloinn  tha  fois  's  an  aros 

Gu  h-ard  os  cionn  nan  speur  ; 

A'  chlann  a  tha  'toirt  graidh  dha, 

'S  ag  iarraidh  grisan  Dhe, 

Tha  fois  ac'  o  gach  anradh 

Gach  peacadh  's  gabhadh  gevu" ; 

A  chaoidh  nan  cian  cha  'n  fhailnich 

An  fhois  tha  'n  aros  Dhe. 

Aig  cloinn  tha  dachaidh  aghmhor 

Gu  h-ard  os  cionn  nan  speur 

Tha  aoibhneas,  sith,  is  gradh  ac' 

Fo  riaghladh  ard  Mhic  Dhe ; 

Air  thalamh  cha  'n  'eil  fardach 

Thig  suas  ri  aros  neimh', 

Tha  h-uile  h-aon  tha  tkmh  ann 

Cho  Ian  de  shonas  seimh. 

Aig  cloinn  tha  cruintean  kluinn 

Gu  h-ard  os  cionn  nan  speur. 

Is  gheibh  gach  aon  'na  thrath  iad 

Tha  'g  earbsa  gradh  Mhic  Dhe — 

Skr  chruintean  maiseach  gloire 

A  bheir  lehobha  treun 

Do  'n  dream  thafalbh  'na  chomhdhail, 

'S  a'  toirt  d'  a  ordugh  geill. 

Aig  cloinn  tha  oran  grasmhor 

Gu  hard  os  cionn  nan  speur, 

Is  seinnidh  iad  air  clarsaich 

Mu  bhuaidhean  ard  Mhic  Dhe. 

Gu  h-ard  tha  sonas  siorruidh 

A'  tigh'nn  o  Chriosd  gach  uair; 

A  chlann  grad  thugaibh  gradh  dha 

'S  bidh  agaibh  slaint  bhith-bhuan. 


'Dain  is 


Air.  3. 


1908. 


TIODHLAC    AN    SPIORAID. 


■"-(4«  (i'  fhuair  sibk  an  Spiorad  Naoinh  o  chreid 
sibh  : —  Gniomhara  xix.  2. 

An  uair  a  thainig  Pol  gu  Ephesus  's  a  chuir  e 
cheist  so  air  deisciobuil  araidh  a  thachair  air, 
thuirt  iadsan  ris,  Gha  chuala  sinn  uiread  as  yu 
bheil  Spiwad  Naomh  anii.  Nach  faod  gu  bheil 
iomadh  a  h-aoti  de  dheisciobuil  an  latha  diugh 
a  dh'  abradh  an  ni  ceudna  !  Clia  'n  e  mhain 
nach  'eil  aoibhneas  aca  'san  Spiorad  Naomh,  ach 
tha  uile  theagasg  na  Firinn  mu'n  Spiorad  'na 
theagasg  dorcha  dhaibh.  Tha  e  dol  os  cionn 
an  eolais  's  an  tuigse  's  cha  'n  'eil  fiosrachadh 
aca  'nam  beatha  air  cumhachd  is  comh-fhurtachd 
an  Spioraid. 

I .  Gheall  Criosd  gu'n  cuireadh  E  mi  Spiorad 
■a  dh'  ionnsuidh  na  heaglais.  Thuirt  e  ris  na 
deisciobuil — Is  huannachd  dhuibh  mise  a  dh' 
fhalhh  :  oir  viurfalbh  mi  cha  tig  an  Comhf hurt- 
air  d'  ur  n-ionnsuidh — Eoin  xvi.  7 .  Cha'n 
ioghnadh  ged  a  bha  e  'na  radh  dorcha  dhaibh  's 
ged  nach  do  Ian  thuig  iad  e  aig  an  am.  Bha  e 
duihch  dhaibh  a  chreidsinn  gu  faigheadh  iad  air 
dhoigh  eile,  eolas  a  b'  airde  's  a  b'  fhearr  air 
■Criosd  na  fhuair  iad  am  feadh  's  a  bha  e  gluasad 
'nam  measg  anns  an  fheoil.  Chunnaic  iad  le  'n 
suilean  e,  chual  iad  le'n  cluasan  e,  laimhsich 
iad  le'n  lamhan  e.  Ach  ged  a  rinn  iad  sin, 
thuirt  e  fhein  riutha  gu  robh  moran  d'a  ghloir- 
san  air  nach  do  rainig  iad  fhathast,  's  nach  biodh 
air  a'  foillseachadh  dhaibh  gus  an  tigeadh  an 
Spiorad  Naomh,  's  a  fosgladh  e  an  suilean — 
An  uair  a  thig  Spiorad  na  firinn,  treoraichidh 
e  sibh  chum  gach  uile  fhirinn,  oir  yheibh  e  do 
m'  chuid-sa  agus  nochdaidh  e  dhuibhse  e — Eom 
ievi.  14..  Ach  cha  ghabhadh  an  Spiorad  toirt 
dhaibh  gus  am  falbhadh  Esan,  oir  b'ann  le  bhas 
's  le  aiseirigh-san  a  choisinn  e  do'n  t-saoghal 
tiodhlac  an  Spioraid.  Is  e  ministreileachd  an 
Spioraid  Naoimh  aon  de  na  beannachdan  priseil 
a  tha  sruthadh  o  obair  Chriosd,  's  dh'  fheumadh 
an  obair  sin  a  bhi  criochnaichte  ma'n  tigeadh  an 
Comhfhurtair  ann  an  lanachd  soluis  is  beatha  is 
cumhachd.  Gus  an  do  shuidh  Criosd  air  cathair 
a  ghloire  far  a  bheil  e  a'  giulan  air  aghaidh  min- 
istreileachd shiorruidh  airson  a  bhraithrean  ann 
an  cumhachd  a  shagairteachd,  cha  b'  urrainn  am 
facal  a  bhi  air  a  choimhlionadh — Cuiridh  mi  an 
Comhf hurtair  d'ur  n-ionnsuidh.  Anns  an  t-sear- 
monalabhair  Peadarairla  naCuingis  thae'g  radh 
gur  h-ann  an  deigh  do  Chriosd  bhi  air  a  ghlor- 
achadh  a  dhoirteadh  an  Spiorad  air  an  EaglaiS' — 


Uime  sin  air  dha  bhi  air  ardachadh  le  deas 
laimh  Dhe,  agus  gealladh  an  Spioraid  Naoitnh 
fhaotainn  o'n  Athair,  dhoirt  e  mach  an  ni  so,  a 
tha  sibhe  nis  a'  faicinn  agus  a'  cliiinntinn. 
Thuirt  Criosd  ris  na  deisciobuil  nach  bu  chall 
dbaibh  fhalbhsan  a  chionn  gu  fanadh  an  Comh- 
fhurtair  a  thigeadh  thuca  maille  riu  gu  brath. 
Cha'n  fhag  an  Spiorad  naomh  an  Eaglais  gus  am 
bi  i  air  a  nochdadh  gu  neo-lochdach  an  lathair 
gloire  'n  Athar. 

II.  Cha  b'  fhada  'n  nine  gus  an  do  dhearbh 
na  h-abstoil  gu'm  bu  bhuannachd  dhaibh  Criosd 
a  dh'  fhalbh.  Fo  bhuaidh  an  Spioraid  bha  iad 
na  bu  dluithe  dha  na  bha  iad  riamh  roimhe,  's 
fhuair  iad  an  tuilleadh  seallaidh  air  a  ghloir. 
Bha'n  t-Abstol  Eoin  na  bu  dluithe  d'a  Thighearn 
ann  am  Patmos  na  bha  e  an  uair  a  leag  e  'cheann 
air  uchd  aig  an  t-suipeir.  An  uair  a  bha  E  'nam 
measg  anns  an  fheoil,  ged  a  ghradhaich  iad  E 
gu  mor,  bha  iad  a'  sealltuinn  air  ann  an  laigse  a 
dhaonachd  's  ann  an  staid  'irisleachd,  's  bha  e 
duilich  dhaibh  a  thuigsinn  gu'm  b'e  da  rireadh 
Mac  Dhe.  Ach  'nuair  a  chaidh  e  as  an  t-seall- 
adh,  's  a  fhuair  iad  tiodhlac  an  Spioraid,  dh' 
fhosgladh  an  suilean  's  thuig  iad  ann  an  doigh 
iir  CO  a  bha  maille  riutha.  Air  seachduinn  na 
Cuingis  rinn  na  h-abstoil  am  barrachd  de  dh'fhas 
spioradail  na  rinn  iad  fad  da  bhliadhna  roimhe 
sin.  Thuig  iad  nithean  a  bha  gus  an  la  ud 
dorch'  orra,  's  fhuair  iad  dearbhachd  iir  mu 
tlieagasg,  's  mu  phearsa  's  mu  obair  Chriosd. 
Gus  an  d'  thainig  an  Spiorad  Naomh  cha  robh 
annta  ach  leanaban  :  labhair  iad  mar  leanaban  : 
thuig  iad  mar  leanaban,  reusanaich  iad  mar  lean- 
aban, ach  an  deigh  a  theachd-san  dh'  fhas  iad 
'nan  daoine,  's  chuir  iad  nithean  leanabaidh  air 
cul.  Ee  aon  ghuth  thubhairt  iad — ged  b'  aithne 
dhuinn  Criosd  a  reir  na  feola,  gidheadh  a  nis 
cha  'n  aithne  dhuinn  e  ni's  mo.  Bha  aithn'  aca 
air  ann  an  doigh  iir — ann  an  cumhachd  a  Spior- 
aid. Cha'n  fhaca  Pol  riamh  Criosd  anns  an 
fheoil,  ach  le  foillseachadh  an  Spioraid  nochdadh 
dha  nithean  mu  thimchioll  Chriosd  air  nach  do 
rainig  eadhoin  an  dafhear  dheug  a  chunnaic  le'n 
suilean  e,  's  a  chuala  le'n  cluasan  e.  A  chionn 
gur  h-ann  air  mhodh  spioradail  a  thuigear  nith- 
ean Dhe,  bha  e  'na  bhuannachd  do'n  t-saoghal 
Criosd  a  dh'  fhalbh,  's  an  Spiorad  Naomh  a 
thighinn. 

III.  Is  e  tiodhlac  an  Spioraid  Jf^aoimh  pairt 
a  dh'  oighreachd  nan  creidmheach.  Tha  moran 
da  rireadh  do  shluagh  an  Tighearna  nach  'eil  a 
tagar  iomlanachd  na  h-oighreachd  sin  a  chionn 


10 


nach  do  thuig  iad  gu  ceart  teagasg  na  Firinn 
mu  thimchioll  an  Spioraid.  Tha  iad  a'  creidsinn 
gur  h-e  an  Spiorad  a  tha  tarruing  pheacach  gu 
Criosd,  ach  'nuair  a  tha  sin  deanta  gu  bheil 
obair  an  Spioraid  ullamh.  Bhiodh  e  na  bu 
dluithe  do'n  fhirinn  a  radh  gur  h-ann  an  sin  a 
tha  obair  an  Spioraid  a'  toiseachadh.  Tha  'n 
Tiomnadh  Nuadh  a'  teagasg  gur  h-ann  le  tarruing 
an  Spioraid  a  bheirear  peacaich  gu  Criosd,  ach 
tha'n  Tiomnadh  Nuadh  a'  cur  a'  chudthroim  a's 
motha  air  obair  an  Spioraid  ann  am  beatha  nan 
creidmheach.  Tha  Dia  a'  toirt  an  Spioraid 
dhaibhsan  a  chreideas  chum  gu  dean  e  comhn- 
uidh  annta  gu  brath,  's  gu'ni  bi  e  dhaibh  na 
earlais  air  an  oighreachd  a  fhuair  iad  ann  an 
Criosd.  Tha  moran  de  shluagh  an  Tighearn  an 
duil  nach  biodh  ann  ach  danadas  gu'n  abradh 
iad  gu  bheil  an  Spiorad  Naomh  air  an  giulansan. 
Tha  iad  an  duil  nach  'eil  an  tiodhlac  sin  air  a 
thoirt  ach  do  dhuin'  ainneamh,  do  dhaoin'  a  tha 
anabarrach  naomh  is  dileas.  Tha  e  gun  teagamh 
fior  gu  bheil  creidmhich  a'  faotainn  tomhas  an 
Spioraid  air  reir  naomhachd  am  beatha  is  gloine 
an  cridbe,  ach  tha  e  mar  an  ceudna  fior  gu  bheil 
Dia  a'  toirt  an  Spioraid  Naoimh  do  na  h-uile 
chreidmhich,  a  chionn  gu  bheil  iad  tiMi  creid- 
inhich,  hiodh  iad  dileas  no  seacharanach.  B'e 
sin  beachd  Phbil,  agus  is  e  sin  teagasg  an  Tiom- 
nadh Nuaidh.  Tha  Dia  a'  toirt  an  Spioraid, 
cha 'n  ann  do  na  naoimh  a  mhain,  ach  do 
chomunn  nan  creidmheach  gu  leir.  ladsan  uile 
a  tha  'nam  buill  de  'n  Eaglais  neo-f  haicsinnich, 
fhuair  iad  tiodhlac  an  Spioraid,  's  tha  e  comhn- 
uidh  annta,  's  cha  'n  fhag  e  iad  gu  brath.  Fhuair 
iad  e  mar  a  fhuair  iad  na  beannachdan  eile  a 
tha  sruthadh  o  obair  Chriosd.  Deanaibh  aith- 
reachas,  arsa  Peadar,  agus  bithibh  air  bhur 
baisteadh  gach  aon  agaibh  ann  an  ainm  losa 
Criosd,  dium  maitheanas  j^heacanna,  agus  gheibh 
sihh  tiodhlac  an  Sjnoraid.  Bha  an  da  ni  a'  dol 
comhla  agus  iadsan  a  fhuair  maitheanas  fhuair 
iad  an  Spiorad  mar  an  ceudna.  Ma  dh'  f  haoite  gu 
bheil  cuid  riaraichte  gu  leor  le  maitheanas,  ach 
mur  d'  fhuair  iad  ach  sin,  cha  d'  fliuair  iad  ach 
leth  na  h-oighreachd.  Tha  saoibhreas  fhathast 
a'  feitheamh  orra  a  dh'  fhaodadh  iad  a  thagar  's 
as  eugmhais  nach  bi  iad  air  an  lionadh  le  cumh- 
achd  Dhe. 

IV. — Tha  Criosd  ag  radh  ri  dheisciobuil  an 
diughfhathast — Gabhaibh-sa  an  Spiorad  Naomh. 
Cha  deachaidh  an  teine  a  bh'  air  a  lasadh  air  la 
na  Cuingis  a  mhuchadh.  Ma  tha  ar  beatha-ne 
gun  chli,  cha  'n  e  is  aobhar  dha  sin  nach  'eil 
Fear-cuideachaidh  againn,  ach  nach  'eil  sinn 
a'  leigeil  le  chumhachd  oibreachadh  annainn. 
ladsan  nach  do  ghabh  ri  tiodhlac  an  Spioraid, 
cha  d'  fhuair  iad  ach  beagan  de'n  t-saoibhreas  a 
th'  ann  an  Criosd,  cha  'n  fhac  iad  ach  beagan 
d'a  ghloir,  oir  is  e  obair  an  spioraid — Maise  is 
Gras  Chriosd  fhoillseachadh  do  dhaoine — Bheir 


esan  gloir  dhomhsa,  oir  gheibh  e  do  in'  chuid-sa 
agus  nochdaidh  e  dhuibhse  e. — JEoin  xvi.  H. 
Gu  cuid  thig  an  Spiorad  Naomh  mar  spiorad 
gliocais,  gu  cuid  mar  spiorad  graidh,  gu  cuid 
mar  spiorad  firinn,  gu  cuid  mar  spiorad  cumh- 
achd.  Thig  e  uairean  mar  theine  gu  bhi  losgadh 
'sa  glanadh.  Thig  e  uairean  mar  an  driuchd. 
Thig  e  uairean  mar  ghaoth  bhog  bhlath  an 
t-samhraidh.  Thig  e  uairean  mar  Abhainn  na 
Beatha.  Thig  e  uairean  mar  Choluman  na  sith 
's  cha  chluinnear  a  ghuth,  ach  thig  e  uairean  eile 
mar  thoirm  mhoran  uisgeachan.  Ach  is  beann- 
aichte  an  cridhe  anns  an  gabh  e  comhnuidh, 
anns  an  dean  an  Spiorad  Naomh  a  dhachaidh, 

A  Spioraid  Dhe,  o  chian  a  ghluais 
-  Air  aghaidh  dhorch'  nan  uisge  fas, 
Thig  'nuair  a  bhios  ar  cridhe  fuar 
Is  duisg  ar  n-aigne  suas  le  d'  ghrks 
'S  e  's  ainm  dhuit  Neart  is  Sith  le  cheil' 
Cumhachd  gun  chrich,  is  Gradh  ro  naomh  ; 
Do  shamhladh  domionn  gharg  nan  speur 
Is  taladh  seimh  a'  chalmain  chaoimh 
O  teagaisg  agus  treoraich  sinn 
A  Chonihfhurtair,  a  Spioraid  Naoimh  ! 


TURUS     BHRIANAIN. 


Cha  mhor  dhaoin'  ann  an  eileinean  na  h-airde 
n-Iar  nach  cual  iomradh  air  Brianan,  maraiche 
nan  tonn  is  sgiobair  na  hiubhraich  uaine.  Air 
oidhche  gheamhraidh  'nuair  a  bhiodh  fead  aig  a' 
ghaoith  's  a  bhiodh  gaoir  a'  chuain  an  cluasan 
nan  sgonn-bhalach,  cha  robh  sgeulachd  a  dh' 
innseadh  Donnachadh  Mor  a  b'  fhearr  a  chord- 
adh  ris  an  oigridh  na  sgiobaireachd  Bhrianain  a 
chaidh  an  coinneamh  ghabhaidhean  nan  cuan 
feuch  an  ruigeadh  e  an  t-eilein  grianach  uaine  a 
bha  cian  fada  thai!  an  iomall  an  domhain  mhoir. 

Faodaidh  sinn  prabadh  a  thoirt  air  an  sgeul- 
achd innseadh  ged  nach  urrainn  sinn  bias  a  chuir 
oirre  mar  a  dheanadh  Donnachadh. 

Air  oidhche  araidh  'nuair  a  bha  Brianan  'na 
chadal,  eadarglaodha' choilich  is  bristeadhfaire, 
bhruadair  e  gu'n  do  sheas  seann  duine,  mor, 
liath  ri  taobh  a  leapa  's  gu'n  d'  thuirt  e  ris. 
"Eirich  a  Bhrianain,  's  cuir  umad  t-aodach.  Is 
mise  teachdaire  bho  Righ  na  Cruinne,  a  dh'  iarr 
orni  tigh'nn  an  nochd  a  dh'  Eirinn  feuch  am 
faighinn  gaisgeach  a  rachadh  an  toir  air  an  eilein 
uaigneach.  Tri  nithean  feumaidh  a  bhi  aige-san 
a  ghabhadh  os  laimh  toil  an  Righ,  suil  bhiorach, 
lamh  chinnteach,  is  cridhe  nach  meataich  ri 
aghaidh  cruadail.  A'  bheil  thu  toileach  a 
Bhrianain."  "Tha,"  arsa  Brianan,  "  thoir  dhomh 
seachd  laithean  gu  sgiobadh  fhaotainn  's  an  sin 
fabhaidh  mi  is  ruigidh  mi  an  t-eilein  iomallach 
air  neo  bidh  fhios  carson." 

Is  ann  mar  sid  a  bha.  An  uair  a  thainig  an 
latha    bha  'n    iubhrach    uaine    deas.       Shuidh 


1 


•2 


3 


i 


1] 


Brianan  air  an  stiuir,  's  leig  iad  air  falbh  i.  Bha 
soirbheas  aca  mar  a  dh'  iarradh  iad,  ceabharan 
beag  laghach  nach  cuireadh  far  a  droma  i  ach 
nacii  leigeadh  leis  na  giurainean  fas  oirre.  Mar 
sin  bha  iad  'ga  caitheadh  seachd  laithean  gus  an 
d'  fhas  Brianan  mi-thoilichte  le  beag  siubhal  na 
h-iubhraich,  's  an  do  thoisich  e  air  feadaireachd 
airson  gaoithe.  "Seall  ann  an  cridhe  na  h-airde 
tuath,"  ars'  esan,  "ri  fear  de  na  gillean  feuch  gu 
de  a  chi  thu."  "Tha  mi  faicinn,"  ars'  an  gille, 
"coltas  froise  a'  cruinneachadh  aig  bun  bac  na 
speur  is  eoin  na  mara  'nan  deann  a'  toirt  a'  chlad- 
aich  orra."  '-Beanr.achd  air  beul  an  fhiosaiche," 
arsa  Brianan,  "cha  b'  urrainn  e  bhi  na  b'  fhearr; 
thoiribh  uaipe  cuid  d'a  h-aodach."  Leum  gach 
fear  'na  aite,  's  ma'n  abradh  tu  deis  de  bha  i  bho 
aodach  iosal.  Sheid  a'  ghaoth  mar  gu'm  biodh 
sorran  na  gaoith  tuath  air  fhosgladh,  's  dh'  eirich 
an  fhairge  'na  sioban  geal  mar  gu'm  biodh  e 
tigh'nn  o  bhaca  gainmhich,  ach  cha  tug  sid 
tiomadh  air  cridhe  Bhrianain.  Bha  na  h-uisge- 
achan  cho  ard  ri  mullan,  's  cho  cas  ri  druim 
tighe  ach  chum  e  an  iubhrach  tioram  le  feabhas 
a  stiuraidh.  Chuir  iad  seachad  iomadh  latha 
mar  sin,  Brianan  fhein  gun  chadal,  gun  fhois, 
gun  bhiadh,  le  iomaguin  nan  tugadh  e  'n  stiuir 
do  chach  nach  cumadh  iad  an  uachdar  i.  Sia 
seachduinnean  an  deigh  dhaibh  lamraig  fhagail, 
dh'  iarr  an  sgiobair  air  fear  de  na  gillean  dol  do'n 
chrann  feuch  gu  de  a  chitheadh  e.  "Tha  mi 
faicinn,"  ars'  esan,  "duradan  beag  anns  an  airde 
n-iar,  tha  e  ro  mhor  a  dh'  eun  's  ro  bheag  a  dh' 
fhearann."  "Beannachd  air  beul  an  fhiosaiche," 
arsa  Brianan,  cha  b'  urrainn  e  bhi  na  b'  fhearr. 
Dh'  atharraich  e  cursa  na  h-iubhraich  's  ged  a 
bha'n  duradan  fada  uapa  cha  robh  iad  fada  'ga 
ruighinn.  Gu  de  bha  so  ach  eilein  's  chaidh  iad 
air  tir.  Ann  an  teis  meadhoin  an  eilein  bha 
tobar  de  dh'  uisge  fior-ghlan,  's  laimh  ris  an 
tobar  craobh,  's  air  a'  chraoibh  mile  meanglan, 
's  air  gach  meanglan  eun  'na  shuidhe,  's  iad  uile 
'seinn  cho  binn  's  nach  cualas  riamh  air  thalamh 
coimealadh  na  coisir  chiuil  ud.  Bha  'n  ceol  cho 
mills  's  gu'n  duisgeadh  e  gaol,  gu  fogradh  e 
eagal,  's  gu  leighseadh  e  br6n.  Ri  taobh  an 
tobair  bha  leth  sheann  duine  is  slige  na  laimh 
ag  ol  a  shath  de'n  uisge  's  thuirt  Brianan  ris — 
An  e  so  an  t-eilein  uaine  ?  Thainig  fiamh  a 
ghair'  air  aodann  's  thuirt  e — Cha  'n  e  so  idir  an 
t-eilein  uaine  a  tha  cian  fada  thall  an  iomall  an 
domhain  mhoir  ach  is  e  so  a'  cheud  eilein  de  na 
seachd  eileinean  anns  am  feum  maraichean  tamh 
greis  ma  ruig  iad  ceann  an  turuis.  Leig  thusa 
do  sgios  an  nochd,  anns  a'  mhaduinn  olaidh  tu 
uisg'  an  tobair  fhiorghlain,  's  gabhaidh  tu  an  sin 
do  chead."  Is  ann  mar  sid  a  bha.  Thog  iad 
na  siuil  am  niaireach,  chuir  iad  cuinnlein  na 
h-iubhraich  ann  an  cridhe  na  h-airde  'n  iar  's 
tharr  i  as.  Fad  sheachd  bliadhna  bha  Brianan 
air  druim  a'  chuain,  ach  cha  do  chaill  a  shuil  a 


geiread,  no  lamh  a  cuimse,  no  chridhe  mhisneach. 
Chaidh  e  air  tir  air  eilein  an  deigh  eilein  ach  cha 
do  rainig  e  an  t-eilein  uaine  an  iomall  an  domh- 
ain mhoir.  Dh'  iarr  an  sgiobadh  air  tilleadh 
dhachaidh  ach  cha  tilleadh  Brianan.  Mu  dheir- 
eadh  an  uair  a  dh'  fhairtlich  air  gaoth  is  cuan, 
air  ceo  is  dorchadas,  air  gaillionn  is  uisge,  air 
gabhadh  is  deuchainn,  toirt  air  cridhe  a'  mhar- 
aiche  meatachadh,  thuit  glag  feith  's  chunnaic 
Brianan  nach  robh  ach  fad  droma  na  h-iubhraich 
eadar  e  's  an  t-eilein  uaine.  B'e  sin  an  t-eilein 
aluinn.  Ged  nach  do  thiomaich  cridhe  Bhrianain 
ri  aghaidh  cruadal,  bha  eagal  a'  measgadh  le 
t-aoibhneas  'nuair  a  chunnaic  e  maise  Tir  nan 
Og  an  iomall  an  domhain  mhoir.  Bha  cearcall 
soluis  mu  thimchioil  an  eilein  's  cha  'n  fhacas 
riamh  oidhch'  ann.  Bha  gach  ni  ann  a  riaraich- 
eadh  an  t-suil  no  bheireadh  solas  do'n  chridhe — 
na  craobhan  daonnan  fo  bhlath  is  driuchd  na 
maidne  mar  a'  mhil.  Cha  b'  aithne  do  'n  eilein 
fuachd,  no  geamhradh  no  dorchadas,  no  bron, 
no  gabhadh,  's  bha  cridheachan  an  luchd  turuis 
a  rainig  e  a'  co-fhreagradh  do  cheol  binn  na 
coisir  a  bha  seinn  gun  sgur.  Dn'  aithnich 
Brianan  an  seann  duine  mor  liath  a  thainig  gu 
taobh  a  leapa,  's  thuirt  an  seann  duine  ris — 
"Failt'  is  furan  air  a'  mharaiche,  aig  an  robh  an 
t-suil  gheir,  's  an  lamh  chinnteach  's  an  cridhe 
nach  do  mheataich  ri  aghaidh  cruadal,  thoir 
taing  do  Righ  na  Cruinne  's  do  dh'  Athair  nan 
dill  a  bha  maille  riut  air  na  h-uisgeachan  's  a 
chum  do  mhisneach  riut  gus  an  do  rainig  thu  an 
t-eilein  uaine." 

Nan  robh  mo  chuimhne  na  b'  fhearr,  dh' 
fhaodadh  an  sgeulachd  a  bhi  ni  b'  fhaide,  ach 
tuigidh  daoine  glic  a  brigh  's  cha  dean  i  cron  dO' 
na  h-amadain.  Ged  a  bhruadras  maraichean  air 
an  eilein  uaine  's  a  mhadainn,  is  e  iadsan  a 
mhain  nach  meataich  ri  aghaidh  cruadal  a  ruigeas 
Tir  nan  Og  'san  fheasgar. 


OBAIR    NA    H-EAGLAIS. 


Tha  obair  na  h-eaglais  a'  dol  air  aghaidh  gu 
reidh  samhach,  's  tha  sith  aice  am  muigh  's  a 
stigh.  O  gach  cearn  de'n  duthaich  tha  sinn  a' 
cluinntinn  gu  bheil  an  obair  a'  fas,  's  gu  bheil 
saothair  na  h-eaglais  air  a  beannachadh  le  Dia- 
Fhuair  Eaglais  na  h-Alba  iomadh  crathadh  goirt 
anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh,  ach  le  dichioll  is 
dilseachd  a  sluaigh  chaidh  na  ballachan  briste  a 
thogail  a  ris,  's  tha  i  'n  diugh  ni 's  misneachaile, 
's  ni 's  treise  na  bha  i  riamh.  Cha'n  ann  do 
dhaoine  bhuineas  a'  chliu  sin  ach  do  Dhia. 
Faodaidh  daoine  cur  is  uisgeachadh,  ach  is  e 
Dia  a  mhain  a  bheir  toradh.  An  eaglais  nach 
'eil  air  reir  inntinn-san,  's  nach  'eil  air  a  suidh- 
eachadh  air  bunait  na  firinn — cha'n'eil  cumhachd 
air  thalamh  a  chumas  beo  i.     Ach  an  eaglais  a. 


12 


th'  air  a  suidheachadh  air  steidh  nan  sgriobtiir, 
a  th'  air  a  lionadh  le  Spiorad  Chriosd,  's  a  tha 
dichiollach  anns  an  obair  a  thug  Esan  dhi  ri 
dheanamh — cha'n'eil  cumhachd  air  thalamh  a 
thilgeas  sios  i.  Tha  Dia  'na  meadhon,  cha 
ghluaisear  i,  cuidichidh  Dia  leaiha  gu  moch  air 
mhaduinn.  Tha  obair  mhor  aig  Eaglais  na 
h-Alba  ri  dheanamh  fhathast  am  measg  ar  luchd 
duthcha,  's  tha  i  seasamh  airson  phrionnspalan 
a  tha  faotainn  greim  a's  motha  air  an  t-sluagh 
mar  tha  na  bhadhnachan  a'  dol  seachad  's  a' 
teagasg  ghocais.  Cha  'n  eirich  b^ud  do'n  Eaglais 
fhad  'sa  chothaicheas  i  gu  durachdach  airson  a' 
chreidimh  a  fhuair  i,  V,  fhad  's  a  bhios  i  air  a 
honadh  le  Spiorad  a  Maighstir,  a  thainig  a  shir- 
eadh  agus  a  thearnadh  an  ni  a  bha  caillte. 
Gu  ma  fada  dh'  fhanas  Eaglais  na  h-Alba  'na 
h-eaglais  shoisgeulach,  's  a  bhios  a  sagairtean  air 
an  sgeadachadh  le  fireantachd  !  Gu'n  doirteadh 
Dia  air  a  luchd  dreuchd  's  air  a  luchd  coman- 
achaidh  an  Spiorad  Naomh,  's  gu'm  biodh  iad 
seasmhach,  neo-ghluasadach,  a'  sior-mheudach- 
adh  ann  an  obair  an  Tighearn  ! 

Cha  'n-urrainn  sinn  cunntas  a  thoirt  an  drasd 
air  an  obair  shoisgeulach  a  tha  'n  Eaglais  a' 
giulan  air  aghaidh  ann  an  duthchannan  cein. 
An  uiridh  chosg  i  cbrr  is  da  fhichead  mile  's  a 
seachd  deug  (£57,298)  anns  an  aobhar  sin, 's 
bha  ochd  fichead  duine  geal  is  da  cheud  gu  lath 
ceistear  a  saothrachadh  am  measg  chinn- 
each.  Ach  tha  'n  obair  a'  fas,  's  tha  feum  an  da 
chuid  air  luchd  oibre  's  air  airgiod.  Cha  'n 
urrainn  sinn  tarruing  air  ar  n-ais  gun  naire.  Ach 
is  ann  airson  aire  ar  luchd  leughaidh  a  tharruing 
gu  pairt  eile  de'n  obair  a  thug  sinn  iomradh  air 
an  rud  idir.  Gad  a  tha  'n  eaglais  dichiollach  gu 
bhi  cur  an  t-soisgeil  a  dh'  ionnsuidh  nan  duth- 
channa  borb,  cha'n'eil  i  'na  tamh  aig  an  tigh. 
Tha  i  a'  cur  roinipe  meadhonan  nan  gras  a  thoirt 
dluth  do  gach  dorus  anns  an  duthaich.  Tha  e 
tachairt  gle  bhitheanta  gu  bheil  oisainnean  anns 
na  seann  sgireachdan  far  a'  bheil  an  sluagh  fad 
o  eaglais  's  o  thigh  coinneamh,  no  gu  bhail  bail- 
tean  iira  ag  airidh  suas  far  nach  eil  eaglais  idir, 
no  gu  bheil  an  sluagh  cho  dumhail  's  nach  'eil 
aite  ri  fhaotainn  's  na  h-eaglaisean  a  tha  cheana 
togta.  Ciod  air  bith  a  ni  eaglaisean  eile,  tha  a 
mar  fhiachaibh  air  Eaglais  na  h-Alba  an  dlaasd- 
anas  sin  a  ghabhail  os  laimh,  agus  meadhonan 
nan  gras  a  shuidheachadh  air  feadh  na  tire  gu 
leir,  air  chor  's  gu'm  bi  cothrom  aig  a  h-uile 
duine  feitheamh  air  Dia  ann  an  orduighean  an 
t-soisgeil.  Tha  tri  fichead  bliadhna  bho  chuir- 
eadh  a'  cheud  chlach  anns  an  togail  so  lais  an 
duine  dhiadhaidh — an  t-Olla  Saumas  Robertson 
agus  o'n  am  sin  gus  an  diugh  chuir  an  eaglais  air 
chois  corr  is  ceithir  cheud  sgireachd  iir  (447)  air 
a  cost  fhein  gu  builaach,  gun  bonn-a-sia  fhaot- 
ainn  o'n   Chrun.     Tha  moran   dhaoine  'n   dull 


nach  'eil  aig  an  eaglais  steidhichte  ach  airgiod 
iarraidh  air  an  staid  's  gu  faigh  i  na  dh'  iarras  i. 
Ach  cha  b'e  sin  cobhair  nan  geas.  Is  beag  a 
tha  'n  Eaglais  steidhichte,  a'  faotainn  o'n  Chrun. 
Tha  i  an  earbsa  mar  tha  na  h-eaglaisean  eile  ri 
tabhartas  an  t-sluaigh,  agus  mur  fosgail  an  sluagh 
an  lamb  bidh  an  obair  air  deireadh.  Chaidh 
deich  eaglaisean  ura  a  thogail  ann  an  aitean 
feumail  an  uiridh,  's  tha  aitean  eile  cho  feumail 
am  bliadhna,  Tha  fiuthair  aig  an  eaglais  ri  lath 
cheud  mile  (£50,000)  a  thogail  mu'n  tig  sia 
bliadhna,  airson  an  aobhair  so,  agus  eadhoin 
'nuair  a  bhios  sin  deanta  cha  bhi  'n  obair  ullamh. 
Mar  tha  'n  sluagh  a  fas,  feumaidh  an  eaglais 
ullachadh  air  an  son. 

Tha  sinn  an  dochas  gu'n  dean  buill  na 
h-eaglais  an  dleasdanas,  's  gu'n  cuidich  iad  an 
obair  air  a  h-aghaidh.  Cha  deanarclacha-creadha 
gun  chonnlaich,  's  cha  chumar  suas  eaglaisean 
gun  airgiod.  Mhol  sinn  aobhar  sonruichte  do 
dhuine  uaireigin  an  dochas  gun  tugadh  e  cuid- 
eachadh,  ach  is  e  a  thuirt  e  ruinn — 'S  bear-teach 
Duneideann  Tha  sin  fior  ach  cha  'n  e  sin  ar 
gnothuch-ne. 


MUINIGHINN    ANN    AN    DIA. 


Do  shlighean  uile,  's  d'  iargain, 

Thoir  thusa  suas  gu  leir 
Dha  san  a  sgaoil  an  iarmailt 

'S  a  chruthaich  grian  is  reul. 
Fear-trebrachaidh  nan  saoghal 

'N  an  ciirsa  ait  troirah  'n  speur  ; 
Fear-stiiiraidh  ne6il  is  ghaoithean, 

Fo  d'  chois  ni  sligha  reidh. 

Cha  bhuannachd  dhuit,  le  ciiram 

A  bhi  'g  ad  chlaoidh  gun  tarah  ; 
Tre  spairn,  no  neart,  no  durachd, 

Cha  toir  thu  buaidh  gu  brath  ; 
Biodh  rioghachd  Dhe,  is  'Aobhar 

An  comhnuidh  dliith  do  'd  chridh',      ' 
Feith  Airsan,  is  mu'n  saoil  thu. 

Do  riin-sa  thig  gu  crich. 

Do  ghras  is  d'  fhirinn  shiorruidh, 

O  Athair,  bheir  mu'n  cuairt 
Na  chi  do  mhaitheas  fiorghlan 

'Tha  ceart  is  glic  do  'd  shluagh  : 
Na  roghnaich  Thu  d'  an  taobh-san 

Gu  cinnteach  gheibh  do  chlann  ; 
Gun  nihaarachd  is  gun  chlaonadh 

Coimhlionar  e  'n  a  am. 

Air  eadar.  bho  Phaul  Gerhard  : 
La  K.  W.  G. 

Sydney,  March  4,  1907. 


-^ 

:.<i 


Air.  4. 


1908. 


AN  LIGHICHE. 


A  Thighearna,  thig  a  nuas  mu'm  faigh  mo  lean- 
abh  has: — EoiN  iv,  49. 

An  deigh  do'n  Abstol  Eoin  cunntas  a  thoirt 
air  na  thachair  air  oidhche  na  bainnse  air  an  do 
rinn  losa  fion  de'n  uisge,  tha  e  'g  radh — An 
toiseach  so  d'a  mhiorbhuilean  rinn  losa  ann  an 
Cana  Giialile  agus  dii'  fhoillsich  e  a  ghloir. 
Chaidh  fuaim  na  miorbiiuil  ud  air  feadh  na  tire 
gu  leir.  B'e  an  t-ioghnadh  a  chunnaic  daoin' 
air  a'  bhanais  an  aon  seanchas  fad  iomadh  latha. 
Chunnaic  iomadh  suil  an  rud  a  rinneadh,  's  cha 
robh  aite  'n  tachradh  cuideachd  nach  b'e  corah- 
radh  dhaibh.  Cuid  a  bha  'ga  chreidsinn,  's  cuid 
nach  robh,  ach  bha  aon  duine  gu  sonruichte — 
fear  de  stiubhaird  Heroid — nach  b'  urrainn  an 
naigheachd  a  chur  as  inntinn.  Oir  bha  mhac 
fhein  gu  tinn,  agus  fichead  uair  'san  latha,  thig- 
eadh  e  stigh  air — co  aige  thafios  nach  deanadh 
losa  miorhhuil  aiV  mo  shon.  Tha  cuid  an  duil 
gu'm  b'e  'n  duine  so  Chusa,  agus  gur  h-e  'n 
gniomh  trocaireach  a  rinn  losa  airson  an  teagh- 
laich  a  b'  aobhar  do'n  mheas  a  bh'  aig  lonna 
bean  Chusa  Air,  oir  fhritheil  i  Bha  da  maoin, 
Lucas  via,  3. 

Cha  robh  sonas  no  solas  ann  an  tigh  a' 
bhaillidh  fad  's  a  bha  'n  gille  tinn,  ach  mu  dheir- 
eadh  an  uair  a  chunnacas  gu  robh  e  ri  uchd 
bais,  chuir  athair  roimhe  gu  ruigeadh  e  Cana,  's 
gu'n  iarradh  e  air  losa  truas  a  ghabhail  do'n 
leanabh.  Rainig  e  Cana  's  dh'innis  e  ceann- 
fath  a  thuruis,  ach  feumaidh  gu'n  do  chuir  am 
freagradh  ioghnadh  air — Mtir  faic  sihh  comharan 
agus  miorbhuUean  cha  chreid  sibh.  Gu  de  bha 
Criosd  a'  ciallachadh  1  Their  cuid  gu'n  do 
labhair  e  am  facal  gu  bhi  cronachadh  an  duine 
airson  a  mhi-chreidirrih.  Cha  'n  'eil  teagamh 
nach  'eil  sin  ann  an  tomhas  fior,  acli  cha  'n  'eil 
uair  a  leughas  mi  an  naigheachd  nach  tig  e 
stigh  orm  gu'n  do  labhair  Criosd  am  facal  so, 
cha'n  ann  ris  a'  bhaillidh  ach  ris  fhein.  Bha  e 
mar  gu'm  biodh  e  bruidhinn  ris  fhein.  Beagan 
roimhe  so  bha  E  ann  an  Jerusalem  far  am  fac 
E  gu  snilleir  gu'm  bu  bheag  aig  muinntir  ludea 
a  theagasg  laimh  ris  na  miorbhuilean  a  rinn  E. 
Cho  fad  's  a  dheanadh  e  oibrichean  iongantach 
mu  choinneamh  an  sul,  leanadh  iad  E  'nan 
ceudan,  ach  cho  luath  'sa  stadadh  E  dheth  sm  's 
a  thoisicheadh  e  air  an  teagasg,  thionndadh  iad 
an  ciil  ris.  Cha  do  chord  sin  ris,  oir  cha  b' 
ann  a  dheanamh  mhiorbhuilean  a  thainig  Esan 
do'n  t-saoghal,  ach  a  thoirt  a  steach  Rioghachd 
Dhe.  Dh'  fhairich  ~E  nach  robh  muinntir  leru- 
salem  'ga  thuigsinn,  's  nach  robh  iad  fhathast 
deas  airson  a  theachdaireachd,  's  chuir  E  roimhe 


am  bail'  fhagail  's  dul  a  Ghalile,  an  dochas  gu'n 
gabhadh  iadsan  ris,  cha  'n  ann  air  sgath  a 
mhiorbhuilean  ach  air  a  sgath  fhein. 

Ach  cha  robh  E  fad  ann  an  Galile  gus  an  do 
rainig  teachdair'  E,  ag  iarraidh  air  dol  gu  Caper- 
naum feuch  an  leighseadh  E  gille  a  Ijha  tinn. 
Bha  Galile  cho  deigheil  air  iongantasan  fhaicinn 
ri  Icrusalem,  agus  thuirt  losa,  cha'n  ann  le  feirg 
ach  le  brbn  cridhe,  's  cha  'n  ann  ris  a'  bhaillidh 
ach  ris  fhein — Mur  faic  sibh  comharan  agus 
miorbhuilean  cha  chreid  sibh.  Mar  gu  'n  abradh 
e — Ge  b'e  aite  'n  teid  mi,  thasuilean  an  t-sluaigh 
dall  air  chor  's  nach  tuig  iad  an  obair  a  thug  m^ 
athair  dhomh  ri  dheanamh. 

Ach  cha  do  leig  an  stiubhard  air  gu'n  cual  e 
am  facal  a  labhair  losa ;  bha  ghnothuch  fhein  a 
tigh'nn  a  stigh  air,  bu  choma  leis  cor  spioradail 
na  duthcha  laimh  ri  beatha  mhic,  's  thuirt  e 
rithist  le  durachd  na  h-eiginn — A  Thighearna, 
thig  a  nuas  mu'm  faigh  mo  leanabh  bas.  I)h' 
eisd  losa  ri  urnuigh  an  duine,  's  thuirt  e  ns — 
Imich,  tha  do  mhac  beo.  Thainig  an  stiubhard 
gu  losa  le  ealiach  broin  air  a  chridhe  ach  dh' 
fhag  e  an  lathaireachd  naomh  le  h-aoibhneas 
mor;  air  an  rathad  dhachaidh  choinnich  a 
sheirbhisich  e,  's  dh'  innis  iad  dha  gu  robh  a 
mhac  air  dol  am  feabhas,  's  nuair  a  cheasnaich  e 
fad  dh'  aithnich  e  gur  h-anns  an  uair  anns  an  do 
labhair  losa  am  facal  a  dh'  fhag  am  fiabhrus  an 
gille.  An  sin  chreid  an  stiubhard  agus  a  theagh- 
lach  uile  gu'm  b'e  losa  mac  Dhe.  Rinn  leanabh 
beag  an  stiuradh. 

I.  Tha  iomadh  rathad  air  am  Jaod  daoine 
tigh'nn  gu  Criosd.  Anns  an  t-sealladh  a 
chunnaic  an  t-Abstol  Eoin  air  an  Jerusalem 
Nuadh,  bha  da  gheata  dheug  a'  fosgladh  a  steacli 
do'n  bhaile  naomh,  cuid  dhiu  air  an  taobh  an 
ear,  cuid  air  an  taobh  an  iar,  air  an  taobh  deas^ 
's  air  an  taobh  tuath.  Is  iomadh  doigh  air  a 
bheil  Dia  a'  cruinneachadh  a  shluaigh  a  steach 
d'a  rioghachd ;  tha  gheata  fhein  a'  fosgladh 
roinih  gach  duine,  agus  gle  bhitheanta  is  e  sin 
an  geata  mu  dheireadh  a  shaoileadh  e.  Is  beag 
a  shaoil  Pol  'nuair  a  ghluais  e  gu  Damascus  a 
dheanamh  geur-leanmhuinn  air  na  Criosduidli- 
ean  gu  robh  e  air  a  cheum  gu  aite'jompachaidl', 
's  gu  robh  e  deanamh  calg  dhireach  air  fear  de 
gheatachan  rioghachd  Dhe.  Is  beag  a  shaoil  an 
stiubhard  's  a  theaghlach  'nuair  a  thainig  tinneas 
da  'n  tigh  gu  'n  oibricheadh  am  freasdal  sin 
trbm  chudthrom  gloire  dhaibh.  Bha  e  'n  tois- 
each 'na  chradh  's  'na  chuis-eagail  dhaibh,  ach 
an  deigh  laimhe  bha  e  'na  aobhar  molaidh. 
Thug  am  freasdal  searbh  a  mach  toradh  siochail 
na  fireantachd.       Ged  a  thainig  an  teachdair'  a 


14 


dh'  ionnsuidh  an  tighe  ann  an  cruth  eagallach  is 
duaichnidh,  is  e  aingeal  Dhe  a  bh'  ann  fad  na 
h-uine.  Mur  h-eisd  daoine  ri  aon  aingeal  cuiridh 
Dia  'na  chaoimhneas  aingeal  eile  thuca.  Mur 
eisd  iad  ris  ann  an  la  na  slainte,  labraidh  E  riu 
ann  an  la  na  trioblaid.  Mur  eisd  iad  ris  a' 
ghuth  chaol  chiuin,  eisdidh  iad  ri  fuaim  an  tairn- 
einich.  Dh'  fhaodadh  an  stiubhard  so  a  radh 
mar  thuirt  an  Salmadair — Bri  mhaith  dhomhsa 
gu  rohh  mi  air  mo  sm.achdachadh.  Cha  searbh 
idir  am  freasdal  a  tha  'na  mheadhon  air  daoine 
thoirt  gu  Dia.  Is  iomadh  duine  bha  dall  am 
feadh  'sa  bha  e  coiseachd  ann  an  cluaintean 
gorma,  a  fhuair  a  fhradharc  'nuair  a  thug  Dia  a 
mach  do'n  fhasach  e.  Tha  cuid  a  dhaoin'  anns 
nach  duisg  beatha  gus  an  teid  na  tonnan  thairis 
orra,  nacli  aithnich  Criosd  anns  an  latha  chiuin, 
ach  a  chuireas  an  aghaidh  Air  'nuair  a  sheideas 
na  gaoithean.  Ann  an  la  mo  thriohlaid  ghlaodh 
mi  air  Dia  agus  chual  E  mo  ghearan.  Nach 
maith  gu'n  eisd  Dia  ri  urnuigh  duine  'na  eiginn, 
gad  nach  d'  fhuair  e  riamh  moladh  o  na  bilean 
ceudna. 

II.  Tha  a'  m'hiorbhuil  so  a'  cur  soluis  air 
inntinn  Chrioid.  Saoilidh  cuid  gu  robh  a' 
cheud  fhacal  a  labhair  E  ris  an  stiubhard  car 
fuar,  a'  toirt  bhuaith  am  beagan  dochais  a  bh' 
aige — Mur  faic  sibh  comharan  agus  miorbhuil- 
ean  cha  chreid  sibh.  Cha  robh  Esan  riamh  fuar 
no  gruamach  ri  brathair  no  ri  piuthair  a  bh'  ann 
an  glais,  's  cha  do  thionndaidh  E  air  falbh  iad 
gun  fuasgladh  a  dheanamh  orra.  Cha  robh 
cridhe  riamh  cho  blath  ri  chridhesan,  no  duin' 
eile  cho  baigheil  's  cho  truacanta  ri  chomh- 
chreutairean.  Bha  fhios  aige  nach  robh  curam 
do'n  leanabh,  gu  robh  E  'dol  a  dheanamh  an 
leighis  's  nach  robh  cunnart  sam  bith  ann  an 
dail  bhig.  Bha  E  smaointinn  air  athair  a'  ghille 
cho  mhaith  ris  a'  ghille  fhein,  's  bha  E  airson  da 
bheannachd  a  thoirt  do'n  teaghlach  leis  an  aon 
ghniomh — leigheas  a  dheanamh  air  an  leanabh 
is  creidimh  a  dhusgadh  'na  athair.  B'e  sin 
reusan  na  dalach  's  tha  deireadh  na  sgeoil  a' 
dearbhadh  gliocas  Chriosd.  I-e  faighidinn 
choisinn  e  an  stiubhard.  Bha  'n  sluagh  a'  cur 
cudthrom  air  na  miorbhuilean  a  bha  E  deanamh 
nach  robh  E  fhein  a'  cur  orra,  's  bha  na  leigh- 
easan  a  rinn  E  a'  tarruing  air  falbh  an  inntinn- 
ean  o'n  obair  shonruichte  airson  an  d'  thainig  E 
do'n  t-saoghal.  Thainig  e  gu  bhi  'na  lighiche 
anma  's  cha  'n  ann  'na  lighiche  cuirp.  Cha  robh 
E  airson  gu  falbhadh  an  stiubhard  leis  a' 
bheachd  nach  robh  ann  ach  lighiche  cuirp.  Bha  e 
airson  gu'n  tuigeadh  e  gu'm  b'  Esan  da-rireadh 
an  Slanuighear  a  bha  gu  teachd  's  ris  an  robh 
fiuthair  aig  an  t-saoghal,  agus  dhruidh  a  bhriath- 
ran,  's  a  choslas,  's  a  ghniomh  cho  mor  air 
cridhe  'n  duine  's  gu'n  d'  aidich  e  fhein  's  a 
theaghlach — Is  e  so  Mac  Dhe. 


III.  Tha  cumhachd  ann  am  facal  Chriosd. 
Cha  robh  E  dliith  do'n  leanabh  an  uair  a  rinn  E 
'n  leagheas.  Cha  do  chuir  E  lamh  air,  cha  'n 
fhac  E  riamh  e,  bha  E  c6rr  is  fichead  mile 
bhuaith,  ach  labhair  E  am  facal  's  bha  e  deanta. 
Tha  da  miorbhuil  eile  a  rinn  E  air  a'  cheart 
doigh,  gun  E  fhein  a  bhi  dluth  do'n  neach  a 
leighis  E — nighean  na  Ban-Chananaach,  llata 
XV,  21-28,  agus  seirbhiseach  a'  cheannaird-cheud, 
Lncas  vii,  1-10.  An  ni  a  tha  eu-comasach  do 
dhaoine  tha  e  comasach  do  Dhia.  Cha  chuir 
tim  no  astar  bacadh  air  toil  Dhe.  Ma  bha 
cumhachd  Chriosd  ann  an  laithean  irioslachd  a 
ruighinn  do  dh'  aitean  anns  nach  robh  a  lath- 
aireachd  fhein,  nach  'eil  e  moran  na's  usa 
'chreidsinn  gu  bheil  a'  cheart  chumhachd  sin  a' 
ruith  air  feadh  an  t-saoghail  gu  leir  an  diugh, 
'nuair  a  tha  E  ann  an  staid  a  ghloire  's  a'  giulan 
air  a  h-aghaidh  obair  le  ministreileachd  an 
Spioraid.  Ma  b'  urrainn  dhasan  ann  an  laithean 
a  dhaonachd  leigheas  a  dheanamh  ann  an  Caper- 
naum 's  e  fhein  ann  an  Cana,  a  bheil  e  duilich 
a  chreidsinn  gur  h-urrainn  Dha  an  diugh  daoine 
leigheas  air  thalamh  ged  a  tha  E  fhein  air 
neamh  ?  Cha  chuir  astar  bacadh  air  a  thoilsan, 
air  tha  Spiorad  Dhe  a'  seideadh  far  an  dill  leis. 
Tha  Criosd  an  diugh  fhathast  ag  oibreachadh 
mhiorbhuilean  mar  bha  e  deanamh  o  shean, 
agus  cha'n  fhailnich  a  chumhachd  gu  brath. 
Tha  e  cho  Ian  graidh  is  caoimhneis  is  truacan- 
tachd  's  a  bha  E  'nuair  a  choinnich  E  ri 
stiubhard  Heroid.  ladsan  uile  th'  air  an  saor- 
adh  leis,  tha  iad  'na  fianuisean  air  a  chumhachd. 
Cha  'n  airidh  sinn  air  teachd  a'd  ionnsuidh,  A 
Thighearn,  ach  obair  Thusa  'in  facal  's  bidh 
sinne  slhn. 


AN    NAOMH    BERNARD. 


Faodaidh  sinn  a  radh  mu  na  daoin'  a  sgriobh 
na  laoidhean  a  bhitear  a'  seinn  ann  an  eaglaisean 
ar  duthcha,  gu  bheil  iad  fhathast  beo  ged  tha  iad 
marbh.  Is  iomadh  car  ris  an  do  chuir  an 
diadhair  Neunnan  a  lamh,  agus  is  iomadh  leabh- 
ar  a  sgriobh  e  'na  latha — leabhraichean  a  fhuair 
greim  air  aire  na  duthcha  'nuair  a  chuir  e  mach 
iad — ach  tha  e  gle  choltach  nach  ann  uile  gu 
leir  gus  na  leabhraichean  sin  a  sgriobhadh  a 
chuir  Dia  Neivman  do'n  t-saoghal,  's  gur  h-e  'n 
laoidh  bheag  ud  a  sgriobh  e  obair  a's  maireann- 
aiche  rinn  e  riamh:  — 
A  shoillse  'n  aigh,  's  a  cheo,  le  d'  bhaoisge  caoin, 

Stiuir  thusa  mi ; 
Tha  'n  oidhche  dorch',  's  mi  fad  o  m'  dhachaidh 
ghaoil 

O  treoraich  mi ; 
Stiuir  mi  gach  la,  cha  'n  iarr  mi  rathad  reidh. 
Gu  tir  an  aigh ;  is  leor  leam  ceum  air  cheum. 


15 


Tha  an  laoidh  'na  beatha  's  'na  Ion  do  mhilt- 
ean  nach  cual  iomradh  air  sgriobhaichean  eile 
Newmain,  no  eadhoin  air  ainm.  Cha  'n  urrainn 
duine  dileab  a's  fhearr  fhagail  aig  an  t-saoghal 
no  laoidh  mhaith  a  gheibh  ait'  ann  an  aoradh  na 
h-eaglais,  's  a  bheir  comhfhurtachd  is  misneach 
is  togail  cridhe  do  dhaoin'  eile  an  uair  a  tha  e 
fhein  's  an  uaigh.  Tha  na  laoidhean  'nan  teachd- 
airean  soluis  aig  a  bheil  iomadh  guth,  agus  na's 
buadhmhoire  am  beatha  na  h-eaglais  no  eadhoin 
searmoin.  Ma  tha  e  iomchuidh  cuimhne  chum- 
ail  air  na  searmonaichean  cliuteach  a  thug  Dia 
do'n  Eaglais,  tha  e  cheart  cho  iomchuidh  clach 
a  chuir  an  cam  nan  diadhairean  a  sgriobh  na 
laoidhean  sin  a  dhuisgeas  aithreachas  ann  an 
cridheachan  luchd  aoraidh,  's  a  bheir  cuideach- 
adh  is  misneach  do  'n  anam  leonte. 

Is  e  sin  a  tha  toirt  oirnn  tarruing  a  thoirt  air 
ainm  Bhernaird.  B'  esan  am  fear  mu  dheireadh 
de  na  seann  athraichean,  agus  a  reir  teisteanais 
Luther  b'e  duine  cho  naomh  's  cho  diadhaidh 
's  a  bha  riamh  air  thalamh.  Tha  corr  is  seachd 
ceud  gu  leth  bliadhna  o  chaochail  e,  ach  ged  a 
bhasaich  moran  de  na  rinn  e,  tha  ainm  fhathast 
air  chuimhne  's  bithidh  cho  fad  'sa  bhios  comh- 
thionailean  a'  seinn  nan  oran  naomh  a  rinn  e. 

Cha  robh  e  ach  'na  bhalach  6g  an  uair  a  chuir 
e  roimhe  a  bheatha  thoirt  thairis  do  Dhia  's  d'a 
aobhar.  Thog  e  inntinn  os  cionn  nithean  aim- 
sireil,  chuir  e  cul  ri  toilintinn  an  t-saoghail,  's  ri 
fearas-chuideachd  na  h-oige,  's  cheangail  e  fhein 
ri  abaid  gu  bhi  'na  mhanach — a'  meas  nan  uile 
nithean  'n  an  call  air  sgath  naomhachd  beatha 
is  5irdheirceis  eolais  losa  Criosd.  Bha  chridhe 
blath  's  a  ghuth  ciuin  's  bha  leithid  de  bhuaidh 
aig'  air  daoin'  oga  's  gu  'm  biodh  parantan  a' 
folach  an  cloinne  air,  le  h-eagal  gu'n  taladh  e  iad 
gu  bhi  'nam  manaich  mar  bha  e  fhein.  Ged  a 
bha  'n  duine  naomh  so  an  da  chuid  iriosal  agus 
eudmhor,  's  ged  bha  e  a'  meas  nan  uile  nithean 
'n  an  aolach  a  chum  gu'n  coisneadh  e  rioghachd 
Dhe,  cha  'n  urrainn  sinn  gun  a  radh  gu  robh  e 
ann  an  doigh  gle  eu-coltach  ri  Criosd,  a  Mhaigh- 
stir.  An  uair  a  bha  Mac  an  duine  anns  an  t- 
saoghal,  cha  d'  fholaich  E  e-fhein  o  dhaoine 
ann  an  abaid,  dh'  ith  is  dh'  61  e  comhla  ri 
peacaich,  's  bha  E  deas  gu  dol  am  measg  a  cho- 
chreutairean  aig  am  bainnse  's  aig  am  bais,  a' 
gabhail  pairt  ann  am  beath'  a  bhraithrean.  Thug 
Bernard  buaidh  air  an  t-saoghal  le  teicheadh 
uaith,  ach  thug  Criosd  buaidh  air  an  t-saoghal  le 
larach  a  sheasamh.  Mheasadh  Bernard  gu'm 
biodh  e  air  a  shalachadh  le  nithean  cumanta  's 
thionndaidh  e  uapa,  ach  leag  an  Slanuighear  a 
lamh  air  nithean  cumanta  is  naomhaich  E  iad. 
Shaoileadh  Bernard  nach  b'  urrainn  e  bhi  anns 
an  t-saoghal  gun  a  bhi  dheth,  ach  dh'  fhan 
Criosd  anns  an  t-saoghal  's  cha  robh  e  dheth. 
Cha  do  chunnt  an  Slanuighear  gu  robh  aoibh- 
neas  no  toilintinn  'nam  peacadh  's  ged  a  bha  E 


air  a  dheanamh  foirfe  tre  fhulangas  cha  do  shir 
e  riamh  fulangas  air  sgath  fulangais.  Cha  b'e 
sin  do  Bhernard.  Cheus  e  iarrtus  na  feola,  's 
chum  e  chorp  fo  leithid  de  smachd  's  nach 
blaiseadh  e  biadh  gus  am  biodh  e  an  impis  fann- 
achaidh.  Cha  tugadh  e  dha  fhein  a  leoir  de'n 
chadal,  's  mheasgadh  e  am  biadh  a  dh'  itheadh 
e  le  stuthanan  searbha  air  eagal  gu'm  biodh  e 
mills  do'n  bhlas.  Thug  e  leithid  a  dh'  fhuath 
do  dh'  amaideachd  dhaoine,  's  do  sheanchas 
faoin  an  t-saoghail  's  gu'n  do  chuir  e  cloimh  'na 
chluasan  air  chor  's  nach  cluinneadh  e  faoin 
sgeul  sam  bith.  Bu  cheol  's  bu  bhiadh  dha  a 
bhi  beachd-smuaineachadh  air  Criosd  's  air 
fhulangas  air  a'  chrann-ceusaidh,  's  aig  na  h- 
amanan  sin  cha  chluinneadh  's  cha  'n  fhaiceadh 
e  na  manaich  eile  ged  a  bhiodh  iad  mu'n  cuairt 
air.  Chaidh  iomradh  air  naomhachd  a  bheatha 
's  air  'eolas  anns  an  fhirinn  air  feadh  na  Roinn- 
Eorpa  gu  leir,  's  bha  iochdarain  is  uachdarain 
araon  a'  toirt  urraim  agus  speis  dha.  Chuireadh 
f  hacal  righ  air  a'  chrun,  's  cha  robh  aig'  ach  a 
mheur  a  thogail  's  dheanadh  e  sith  no  aimhreite. 
'Na  dhusgadh  bhiodh  e  a'  beachd-smuain- 
eachadh air  Criosd  gun  sgur,  's  na  chadal  bhiodh 
ainm  an  t-Slanuighear  gu  trie  air  a  bhilean.  B'e 
Criosd  grian  anma  Bhernaird,  mar  a  tha  e  fhein 
ag  innseadh  anns  an  laoidh  a  leanas.  Tha  i  air 
a  tionndadh  gu  Gaidhlig  le  Mr  Iain  Mac  Illebh- 
ain,  agus  gabhaidh  i  faotainn  ann  an  "Laoidhean 
agus  Dain  Spioradail": — 

losa !  'se  smuaineach  ort  gun  tamh 

A  chuireas  blaths  am  chridh'; 

Ach  's  fhearr  bhi  faicinn  d'aghaidh  ghraidh 

'S  ad  lath'r  a'  mealtainn  sith'. 

Cha  'n  aithris  beul,  's  cha  smuainich  cridh' 

No  inntinn,  fuaim  cho  caoin 

Ri  d'ainm  ro  naomh,  Fhir-shaoraidh ghraidh, 

A  Shlanuighear  chlann-daoin'! 

Pailteas  is  meud  saor  mhaitheas  Dhe 

Cha  'n  aithris  beul  no  peann ; 

Gradh  los',  ar  Slanuighear,  ciod  e 

Cha  'n  aithne  ach  d'a  chlann. 

O  losa,  tobar  beatha  's  blaiths, 

Do  'n  t-saoghal  's  tu  a's  grian; 

De  'r  n-uile  shonas  's  tu  a's  fhearr, 

'S  ar  n-agh  os  cionn  ar  miann. 

'S  tu  mhain  's  an  t-saogh'l  ar  sonas  mor, 

Mar  's  tu  fadheoidh  ar  duais ; 

losa,  bi  dhuinn  a  nis  mar  ghloir, 

'S  ar  solus  siorruidh  shuas. 


Cha  'n  e  latha  maith  nach  tigeadh  ach  an 
droch  dhuine  nach  fhanadh  ris.  Nam  biodh 
faighidinn  aig  daoine  chitheadh  iad  gu'n  toir 
Dia  dhaibh  an  ni  tha  feumail.  Am  measg  ar 
peacanna  cha  'n  'eil  h-aon  a's  cumanta  na  cion 
faighidinn. 


16 


A'    CHAISG. 


Tha  Di-domhnaich  Casg  ni's  anmoiche  na's 
abhaist  am  bliadhna.  Ged  is  e  so  an  latha  tha 
cumail  cuimhne  air  aiseirigh  Chriosd,  's  ged  a 
bu  choir  faireachduinnean  sbluimte  bhi  air  an 
dusgadh  ann  an  cridheachan  Chriosdhuidhean 
le  theachd,  bha  e  fad  tiine  mhoir  'na  aobhar 
connspoid  is  aimhreit'  anns  an  eaglais.  Cha 
robh  na  creidmhich  a'  cordadh  mu'n  latha  air 
am  bu  choir  an  fheill  a  bhi  air  a  cumail.  Bha 
aon  la  aig  Eaglais  na  h-airde  n-ear,  's  la  eile  aig 
Eaglais  na  h-airde  n-iar,  B'e  latha  na  Caisge 
aon  de  na  puingean  air  an  robh  dealachadh 
eadar  Eaglais  Cheilteach  na  h-Alba  agus  Eaglais 
na  Roimhe.  Mu  dheireadh  dh'  fhas  an  conn- 
sachadh  cho  teth  's  gu'm  b'  eiginn  do  Righ  Osui 
dol  'san  eadargain.  Bha  coinneamh  aig  an  da 
thaobh  ann  a  Whitby  ann  a  664,  's  thuirt  an 
Righ  gur  h-e  Eaglais  na  Roimh'  a  f  huair  a 
chuid  a  b'  fhearr  de'n  argumaid  's  thug  e  bhreth 
air  a  taobh.  Air  reir  cunntas  an  latha  diugh  tha 
e  gle  choltach  nach  robh  h-aon  dhiu  ceart,  ach 
feumaidh  sinn  a  radh  gu  bheil  cunntas  na  Caisge 
'na  ni  cho  dorcha  oirnn  fhein  's  nach  deanam- 
aid  dad  dheth  mur  a  bhi  am  Feillire.  Tha  sinn 
lan-toilichte  a'  cheist  fhagail  ann  an  lamhan 
sgoileirean  air  a  bheil  cinn  gu  cunntas.  Bha 
facal  aig  na  seann  daoine  gu'n  tuiteadh  a'  chaisg 
air  a  cheud  Di-domhnaich  de'n  Earra-dhubh 
'san  Earrach. 

Bha  'n  latha  air  a  chumail  am  measg  nan 
cinneach  mu'n  robh  e  air  a  chumail  am  measg 
nan  Criosduidhean.  Cha  d'  fhuair  na  creid- 
mhich ach  iasad  dheth.  Bha  na  paganaich  a' 
gleidheadh  na  feille  so  chum  aoradh  a  dheanadh 
do  dhia  an  Earraich.  An  uair  a  thigeadh  an 
t-earrach  's  a  bhiodh  beatha  's  fas  ri  fhaicinn 
anns  a'  chruthachadh  gu  leir,  bha  e  gle  nadurra 
gu'n  deanadh  na  cinnich,  aoradh  do'n  Chumh- 
achd  a  bh'  air  a  chul  sin.  Dh'  fheuch  na 
Criosduidhean  ri  stad  a  chur  air  a'  chleachdadh 
ach  cha  deachaidh  sin  leotha.  Bha  na  athraich- 
ean  glic  'nan  latha,  's  rinn  iad  a  chuid  a  b'fhearr 
de'n  chuid  bu  mhiosa ;  thug  iad  seadh  ur  do'n 
fheill,  'r,  ghabh  iad  rithe  ann  an  aoradh  na 
h-eaglais,  gus  an  do  tharruing  iad  an  sluagh  o 
bhi  deanamh  gairdeachais  ann  an  eirigh  na 
greine  's  ann  an  dusgadh  na  talmhainn  aig 
teachd  an  earraich  o  mharbhantachd  a'  gheamh- 
raidh,  gu  bhi  deanamh  gairdeachais  ann  an 
eirigh  Grian  na  fireantachd  's  ann  an  aiseirigh 
Chriosd  o  na  marbhaidh.  Tha  e  iomchuidh 
gu'n  duisgeadh  an  latha  so — a  tha  toirt  sgeil 
mhor  aoibhneis  do'n  t-saoghal — gairdeachas 
agus  solas  ann  an  cridheachan  dhaoine.  Anns 
an  Eaglais  Phapanach — co  dhiu  roimh  am  an 
Ath-leasachaidh  bhiodh  cleir  is  comhthionailean, 
an  deigh  dhaibh  aoradh  a  dheanamh  anns  a' 
mhaduinn,  a'  cluich  'sa  dannsadh  'san  fhreasgar, 


's  ris  gach  seorsa  de  dh'fhearas-chuideachd  is 
baoth  shugradh  Cha  'n  'ail  sin  ri  .-nholadh  ged 
a  tha  'n  smaoin  a  bh'  air  cul  a'  ghnothuich  ceart 
gu  leoir.  Faodaidh  duine  dol  air  an  each  gun 
dol  thairis  air,  's  faodaidh  daoine  gairdeachas  a 
dheanamh  ann  an  teachdaireachd  is  soisgeul  na 
Caisge  ged  nach  dean  iad  iomain  no  dannsa. 
Tha  cleachdadh  aca  ann  an  Russia  a  tha  gle 
ghasda.  ^  Air  an  latha  so  bidh  daoine  cur  failt 
air  a  cheile  le  pog  na  Caisge,  's  nuair  their  an 
dara  duine  le  guth  ard — Dh'eirich  E,  abraidh 
an  duine  eile — Dh'eirich  E  d.a-rireadh.  Is  ann 
a  reir  mar  a  thuiteas  a'  Chaisg  a  tha  moran  de 
na  feilltean  eile  air  an  gleidheadh  agus  faodaidh 
gur  h-e  sin  a's  aobhar  gun  abrar  ri  Di-domh- 
naich Casg— Ban-Righ  nam  Feilltean.  Seachd 
seachduinnean  roimh  'n  Chaisg  tha  'n  Carghas 
agus  is  e  a'  cheud  latha  de'n  Charghas  an  Inid. 
Fad  na  seachd  seachduinnean  sin  tha  moran  de 
Chriosduidhean  an  t-saoghail  a'  trasgadh — a' 
leantuinn  eiseimpleir  Mhaois  is  Elias  is  Chriosd 
a  thraisg  da  fhichead  latha.  Tha  iasg  air  a 
cheadachadh  ged  nach  'eil  feoil.  Cha  'n  'eil  sinn 
an  duil  gu  bheil  feum  sam  bith  'sa  chleachdadh 
do  bheatha  spioradail  dhaoine,  ach  tha  sinn  an 
amharus  nach  misd  daoine  trasgadh  an  drasd  'sa 
rithist  airson  slainte  cuirp.  'S  fhearr  beagan  de 
'n  charghas  no  tuilleadh  'se  choir  de'n  gheocair- 
eachd. 

daoine  anabarrach  beachdail 
comharan  na  bliadhna.  Bu 
h-uile  ni  a  thigh'nn  'na  am 
fhein,  's  mur  tigeadh  thigeadh  ni  bu  mhiosa. 
Bhiodh   iad   ag  radh: — 

Nead  air  Brighde,  uhh  air  Inid,  Eun  air  Caisg, 
Mur  bi  sin    aig    an   fhitheach    dhuhh,    hithidh 
ain  has. 

Bha  iad  a'  creidsinn  cuideachd  gu  robh  Inid 
is  Caisg  an  aghaidh  a  cheile,  's  nam  biodh  sid 
mhaith  ann  air  an  dara  latha  gu'm  biodh  sid 
rapach  ann  air  an  la  eile 

Thuirt  an  Inid  ris  a'  Chaisg, 

C  ait  amjaigh  mi  aite  duich  ? 

Thoir  thusa  dhomhsa  pailliu7i  geamhraidh 

'S  togaidh  mi  tigh  samhraidh  dhuit. 

Bha  cuid  de  na  seann  daoin'  a'  creidsinn  gu'n 
deanamh  a'  ghrian  ruidhle  dannsa,  an  deigh 
dhi  eirigh  air  maduinn  Di-domhnaich  Casg  agus 
chuala  sinn  bodach  coir  ag  radh  gu  fac'  e  ghrian 
a' turamanaich  le  dha  shuil  fhein.  Thacuimhn' 
againn  eirigh  trath  air  maduinn  Caisge, 'nuair  bha 
sinn  na  b'  oige  na  tha  sinn  an  diugh,  feuch  am 
faiceamaid  a'  ghrian  a'  deanamh  na  goraiche  a 
bhatar  a'  cur  as  a  leth.  Ach  tha  e  coltach  nach 
robh  sunnd  ceart  oirre  air  a'  mhaduinn  ud — co 
dhiu  cha  do  rinn  i  dannsa.  Cha  robh  againn 
ach  tilleadh  dhachaidh,  's  na  h-uighean  a  bhruicb, 
's  dol  'gan  ruidhleis  sios  air  Baca-Bhabhuinn. 


Bha  na  seann 
air  an  t-sid  's  air 
mhaith   leotha  a 


i 
1 


Air.  S. 


1908. 


AM     BUACHAILLE     MAITH. 


Is  mise  am  BvMchaille  maith. — Eoin  10. 
•Cha  do  labhair  Criosd  riamh  facal  iiime  fhein 
a's  maisiche  no  'm  facal  so.     Is  toigh  leis  an 
oigridh  e,  agus  is  toigh  bis  na  seann  daoin'  e. 
Tha  e  mar  a  tha  'n  cruthachadh  mu  'n  cuairt 
oirnn,  daonnan  ur,  's  cha  chaill  e  driuchd  na 
maidne.     Cha  chuimhne  leinn  an  t-am  anns  an 
d'  ionnsaich  sinn  aig  gliin  ar  mathar  an  t-salm  : 
Is  e  Dia  fein  a's  buachaiW  dhoiiih 
Cha  bhi  mi  ann  an  dith 
agus  o'n  latha  sin  gus  an  diugh  bha  na  briathran 
dhuinn  'nan  creud.     Cha  bu  chreud  m5r  e,  ach 
bu  leor  e.     Theagaisg  e  dhuinn  ann  an  laithean 
ar-n  oige  gradh  agus  maitheas  Dhe,  agus  mar  a 
bha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  bha  iad  a' 
toirt  dhuinn  an  tuillidh   dearbhaidh    air    firinn 
creud  ar-n-oige  's  air  cairdeas  is  caomhalachd  an 
Ard  Bhuachaille.   Is  ann  an  deigh  do  losa  chluinn- 
tinn  gu  'n  do  thilg   na  Pharasaich  a  mach  an 
duine  dall  da  'n  d'  thug  e  a  fhradharc,  a  labhair 
e  an  teagasg  air  a  bheil  Eoin  a'  toirt  iomraidh 
anns   an    deicheamh    caibideai.     Cha   robh   na 
Pharasaich  idir  toilichte  gu  'n  do  leighseadh  an 
<luine  dall.     Bha  'n  gniomh  da  rireadh  trocair- 
each,    ach    cha    robh    bheag   de    throcair   'nan 
cridhe-san.     An    aite   Dia  a  mholadh   gu  'n  d' 
fhosgail  e  suilean  an  doill,  thilg  iad  a  mach  an 
duine  truagh  a  chionngu'n  d'aidich  e  cumhachd 
agus    trocair  Chriosd.       Chuir   deanadas    nam 
Pharasach  mulad  air  an  t-Slanuighear,  oir  leig  e 
fhaicinn  dha  nach  robh  bheag  de  spiorad  an 
f  hior  Bhuachaille  'nan  cridhe,  ged  a  bha  iad  'nan 
aodhairean  ann  an  Israel  aig  an  am.     Agus  tha 
e  mar  gu  'm   b'  eadh    ag  radh  ris  an   t-sluagh 
— Seallaibh  mar  a  thachair  do  'n  duine  dhall  fo 
lamh  na  Pharasach.     Sin  agaibh  droch  bhuach- 
ailleachd,    ach  is    mise    am    Buachaille   maith. 
Cha  tilg  mise  bhuam  aon  de  na  caoirich,  cha 
ghabh   mi   tamh   no  fois  fhad  's  a  a   bhios  gin 
de  'n  treud  air  chall,  's  leiginn  sios  mo  bheatha 
airson  an  aoin  a's  miosa  dhiu.     Faodaidh  suim 
a  bhi  aig  eadhoin  droch  bhuachaille  do  chuid 
de  na  caoraich,  ach  gabhaidh  buachaille  maith 
curam  do  'n  treud  uile,  maith  is  dona  mar  tha  iad 
ann. 

/.  Is  e  aon  de  chomharan  a'  bhuachaille  cheart, 
ilachda  bhiaige  'na  obair.  Is  docha  leis  an  fhear 
tuarasdail  a  thuarasdal  no  na  caoraich,  's  bhiodh  e 
cheart  cho  toilichte  aig  obair  eile  nam  faigheadh 
e  uiread  tuarasdail.  Is  beag  aige  cor  an  treuid 
lainih  ri  chomfhurtachd  fhein.  Cha  chaill  e 
cadal  na  h-oidhche  ged  nach  biodh  sgeul  air 
cuid  de  na  caoraich,  's  cha  chuir  e  bheatha  ann 
an  cunnart  air  an  son.     Cha  b'  urrainn  e  radh 


[   mar  a  thuirt  Buachaille  Israel— Ma  4»  sheirbh- 
iseach  ag  tonaltradh  chaorach  'athar,   agus  an 
uair  a  thainig    leomhan    no  math-g/tamhuinn, 
agus  a  thug  e  uan  as  an  treud ;  chaidh  mi  mach 
'na  dheigh  agus  shaor  mi  as  a  bheul  e.     B'  e  sin 
spiorad  Chriosd.     Bha   tlachd   aige   'na   obair. 
Ghabh  e  os  laimh  i  gu  toileach.    Cha  'n  e  ghloir 
fhein   a  bh'  aige  's  an  t-sealladh  ach  gloir  an 
Athar  agus  maith  nan  caorach.     Cha  ruigeadh 
E  leas  a  bhi  'na  bhuachaille  idir  mur  b'e  sin  a 
dheagh  thoil  fhein,  agus  bu  leor  an  duals  leis 
fhios  a  bhi  aige  gu  robh  an  treud  sabhailte.    Cha 
b'ann  'na  aindeoin  a  ghabh  e  os  laimh  'obair, 
ach  a  chionn  gu  'n  do  ghradhaich   e  'n   treud, 
agus   eadhoin  an  uair  a  b'  eiginn  dha  bheatha 
thoirt  airson  nan  caorach,  bha  'aoibhneas  a'  cur 
thairis.     Tha  toilintinn  an  t-seirbhisich  mhaith 
ni  's   motha  ann  a  bhi  faicinn  'obair  a'  soirbh- 
eachadh  no  ann  a  bhi  faotainn  a  thuarasdail. 
Bha  e  'na  mhor  aoibhneas  do  Chriosd  a  bhi 
faicinn   toradh  saothair  anma.      An  uair  nach 
robh   cor   an   treuid   mar  bu   mhaith  leis,   bha 
chridhe  Ian  broin.     Ghuil  e  os  cionn  lerusalem 
'nuair  a  smuainich  e  air  cor  br6nach  a'  bhaile, 
ach  an  uair  a  thugadh  fios  d'a  ionnsuidh  gu  robh 
cuid  de  na  caoraich  a  bhacaillteair  am  faotainn, 
tha  sinn  a'  leughadh  gu  'n  do  rinn  e  gairdeachas 
'na  spiorad  's  gu  'n  do  mhol  e  Dia.     Bha  e  'na 
dhuine  dhoilghiosan  agus  eolach  air  bron  fhad 
'sa  bha  na  caoraich  air  seacharan,  ach  an  uair  a 
philleadh  iad  air  an  ais  do'n  treud,  bha  aoibhneas 
Chriosd  do-labhairt  agus   Ian   de  ghloir.     Bha 
spiorad  an  fhior  bhuachaill'  air  a  ghiulan,  agus 
bha    briathran  an  fhaidh  air  an   coimhlionadh 
ann  :— Air  sgath  Shioin  cha  bhi  mi  a'm'  thosd, 
agus  air  sgath  lerusaleim  cha  ghabh  mi  fois;  gus 
an    teid  a   fireantachd    a    mach    mar  an    solus 
dealrach,  agus  a  slainte  mar  leus  lasarach. 

//.  Dhearbh  am  buachaille  maith  a  dhitseachd 
le  basachadh  airson  nan  caorach.  Cha  b'  urrainn 
gradh  dol  na  b'  fhaide.  Dh'  fhaodadh  gradh  gu 
leoir  a  bhi  aig  duine  d'a  charaid  goirid  air  gu  'n 
leigeadh  e  sios  a  bheath'  as  a  leth,  ach  'se  gloir 
an  t-Slanuigheargu  'n  do  ghradhaich  e  a  bhraith- 
rean  gus  an  ceum  a's  fhaide  mach.  O'n  uair 
anns  an  d'  thug  esan  suas  an  deo  air  Calbhari 
tha  'n  saoghal  dearbhta  gu  bheil  gradh  Dhe 
do-rannsaichte.  Tha  e  gun  cheann  gun  chrich. 
Tha  e  o  shiorruidheachd  gu  siorruidheachd,  's 
mar  nach  robh  toiseach  aige,  cha  bhi  deireadh 
aige.  'Nuair  a  bheachd -smuainicheas  sinn  air 
gradh  Dhe,  tha  sinn  mar  gu  'm  biodh  a'  chlann 
bheag  ri  taobh  na  mara  nach  urrainn  a  radh  ach 
— a  fad,  agus  leud,  agus  farsuingeachd  a'  chuain, 
cha  ghabh  e  tomhas.  Their  daoine  gu  bheil 
comharan  anns    a'  chruthachadh  mu  'n    cuairt 


18 


oirnn  gur  gradh  Dia.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach 
'eil  sin  fior,  ach  is  e  an  aon  chomharadh  cinnt- 
each,  bas  Chriosd.  Tha  Dia  a'  moladh  a  ghraidh 
fein  duinne,  do  bhrigh,  an  uair  a  bha  sinn 
fhathast  'nar  peacaich,  gu  'n  bhasaich  Criosd  air 
ar  son.  Cha  b'e  na  tairngean  a  chuir  na  saigh- 
dearan  'na  lamhan  's  'na  chasan  a  cheangail 
Criosd  ris  a'chrann-ceusaidh  ach  a  ghradh  fhein. 
Shaor  e  daoine  eile  ach  cha  saoradh  e  e  fhein. 
Dh'  f haodadh  e  an  cupan  searbh  a  chuir  bhuaithe 
aig  an  aon  uair  deug,  ach  cho  do  rinn  e  sin,  do 
bhrigh  gur  h-ann  a  dh'  ol  a'  chupain  a  thainig  e 
do  'n  t-saoghal.  Co  is  urrainn  labhairt  air  gradh 
Chriosd  mar  bu  choir,  no  an  dara  leth  d'  a 
shaoibhreas  a  thoirt  gu  solus  !  B'e  sin  diomh- 
aireachd  na  diadhachd  a  rannsachadh.  Nam 
faigheadh  duine  sealladh  air  gradh  an  t-Slan- 
uighear  'na  iomlanachd,  cha  seasadh  a  chridhe 
ris  an  f  hoillseachadh  ghlormhor ;  thuiteadh  e 
air  aghaidh  air  an  lar  gun  chainnt  mar  neach 
marbh.  Tha  ghradh-san  a'  dol  os  cionn  eolais 
nan  ainglean,  '.s  ged  nach  fhaic  sinne  ach  oisein 
beag  dheth,  is  leoir  sin  fhein  gu  toirt  oirnn 
tuiteam  air  ar  gliiinean  'sa  radh  mar  thuirt  Eoin 
— Dhasan  a  ghradhaich  sinn  agus  a  shaor  sinn 
o  ar  peacaidhean  le  fhuil  fhein,  dhasan  gu  rohh 
gloir  agus  cumhachd  gu  saoghvl  naii  saoghal. 

III.  Is  aithne  do  '?j  BhuachailV  a  chaoraich. 
Tha  cunntas  aig'  air  na  feadhainn  a  tha  sabhailte 
's  a'  chr6,  ach  tha  cunntas  aige  cuideachd  air  na 
feadhainn  a  tha  mach  air  na  raointean.  Ged  a 
chaidh  lad  air  seacharan,  's  a  dh'  fhaodas  iad 
a  bhi  'nam  fogarraich  fad  air  falbh  o'n  bhaile, 
cha  luaithe  chluinneas  iad  guth  a' bhuachaille  na 
dh'  aithnicheas  iad  e.  Tha  sinn  an  dull  gur  h-e 
bha  Criosd  a'  ciallachadh  leis  an  f  hacal  so — gu 
bheil  ni-eiginn  ann  fhein  agus  ann  an  anam  an 
duine  tha  freagairt  d'a  cheile.  Tha  iad  air  an 
deanamh  airson  a  cheile  's  gus  an  coinnich  iad 
cha  bhi  anam  an  duine  sasuichte  's  bha  bhi 
aoibhneas  Chriosd  Ian.  Mur  b'e  agus  gu  bheil 
ni-eiginn  ann  an  cridheachan  dhaoine  tha  'g 
innseadh  dhaibh  gur  h-esan  am  buachaille  ceart, 
cha  'n  eisdeadh  iad  ri  ghuth.  Eadhoin  anns  an 
tir  chein  cha  dichuimhnich  am  fogarrach  bochd 
an  dachaidh  o'n  d'  thainig  e.  Ged  a  b'  ann  air 
a'  mheadhon  oidhche,  's  gun  fiuthair  aige 
ris,  a  chluinneadh  e  guth  'athar,  dh'  aithnich- 
eadh  e  an  guth.  Eadhoin  an  uair  a  tha 
daoine  'gan  toirt  fhein  thairis  do  'n  pheacadh, 
tha  ni-eiginn  'nan  cridhe  a  toirt'  fianuis  air  an 
Dia  a  threig  iad.  Rinn  Dia  an  t  anam  air  a  shon 
fhein  's  cha  bhi  fois  aig  an  anam  as  eugmhais 
Dhe.  Tha  seann  chairdeas  eatorra  nach  urrainn 
iad  a  dhi-chuimhneachadh.  Ged  nach  biodh 
gnothuch  aca  ri  cheile  fad  iomadh  bliadhna,  cha 
luaithe  thig  iad  dluth  da  cheile  no  their  Dia — Is 
leamsathu,'s  their  an  t-anam — Is  leatsa  mi.  Tha 
m'  Buachaill'  ag  aithneachadh  na  caorach,  's  tha 
chaora  'g  aithneacha  dh  a'  Bhuachaille.  Ach  ged 


a  tha  e  fior  gur  h-aithne  do  shuil  a'  Bhuachaill  a 
chomharadh  fein  eadhoin  air  na  caoraich  chaillte 
th'  air  an  reubadh  leis  na  drisean  's  air  an 
salachadh  le  eabar  is  poll,  tha  aithne  a's  fhearr 
aig  air  na  caoraich  a  tha  daonnan  fo  shuil  anns 
a'  chrb.  Tha  eolas  aig  Dia  air  a  shluagh.  Bu 
choir  sin  a  bhi  'na  mhisnich  dhaibh,  ach  bu 
choir  e  bhi  dhaibh  'na  chronachadh  mar  an 
ceudna.  Tha  eolas  Dhe  oirnn  an  da  chuid  'na 
ghloir  's  'na  eagal.  Air  uairean  their  sinn — 0 
nach  robh  mo  chridhe  J'oluichte  o  shuil  Dhe.  Ach 
uairean  eile  their  sinn — Moladh  do  Dhia  gur 
h-aithne  dha  mo  chor  mar  nach  aithne  do 
dhuine. 

Chaidh  sinn  uile  mar  chaoraich  air  seacharan. 
's  tha  cuid  de  na  caoraich  cho  fad  air  chall  's 
nach  bu  lugha  na  'm  Buachaille  maith  fhein  nach 
tugadh  suas  duil  dhiu.  Ach  feadh  chreag  is 
shloc  tha  Esan  a'  dol  as  an  deigh,  gus  a  faigh  e 
iad.  Cha  sgithich  a  ghradh,  's  cha  stad  a 
shiubhal.  Ged  nach  d'  fhosgladh  an  dorus  dha 
an  dfe,  feuch  tha  esan  'na  sheasamh  aig  an  dorus 
an  diugh  agus  a'  bualadh.  Faighidinn  agus- 
caomhalachd  agus  gradh  Chriosd — nach  bu  choir 
gu'n  leaghadh  iad  an  cridh'  a's  cruaidhe.  Is  e 
iadsan  na  daoine  sona  a's  urrainn  an  laoidh  a 
sheinn  : — 

Rag,  faoin,  is  trie  a  chaidh  mi  thaoibh 
Ach  lorgaich  e  'na  ghradh  mi 
'S  gu  truacant'  air  a  ghuaillean  caomh 
Thug  dhachaidh  slan  le  h-agh  mi. 
Mar  so  co-bhuan  ri  fad  mo  laith, 
■  Silidh  do  lamhan  maitheas 
Seinneam  do  chliu,  mo  Bhuachaill'  graidh 
Ad  thigh,  gu  brath,  am  flaitheas. 


A'    BHEALLTAINN. 


Gug-ug  ars'  a'  chuthag 
Laiha  buidhe  Bealltainn. 

Cha  'n  'eil  ioghnadh  ged  a  dheanadh  duine  's- 
beathach  gairdeachas  ann  an  teachd  an  t-samh- 
raidh.  Tha  'm  blaths  a'  dusgadh  beatha  anns  a' 
chruthachadh  uile,  's  tha  fas  is  maise  ri  fhaicinn 
air  gach  taobh.  Os  ar  cionn  anns  na  speuran 
tha  coisir-chiuil  a'  seinn  gun  sgur,  's  tha  'n 
talamh  fo  ar  casan  mar  gu  'm  biodh  brat  aillidh 
air  a  dhealbh  an  iomad  dath.  Ann  an  og  mhios 
an  t-samhraidh  tha  'n  saoghal  cho  maiseach,  's 
tha  leithid  a  shaoibhreas 's  a  dh' aillidheachd  air 
an  sgaoileadh  niu  choinneamh  ar  siil,  's  gur  marbh 
an  cridhe  anns  nach  duisgear  moladh  is  taing- 
ealachd  do  'n  Ti  uile- chumhachdach  a  tha 
deanamh  na  miorbhuil  so  le  cumhachd  a  laimhe  : 

Is  mor  ar  Tighearn  agus  is  mor  a  chumhachd  : 
Tha  a  ihuigse  gun  tovihas : 
Seinnibh  do  lehobhah  le  buidheachas : 


t. 


19 


Deanaibh  eeol  da  'r  Dia-ne  air  a'  chlarsaich  : 

A  chomhdaicheas  neamh  le  nebil, 

A  dh'  ullaicheas  uisge  do  'n  talamh, 

A  bheir  air  feur fas  air  na  sleibhtean 

Oir  tha  ainmsan  a  mhain  air  ardachadh 

Tha  a  ghloir  os  ceann  na  tahnhainn  agus  nan 

neamh. 
Tha  e  gle  choltach  gu  robh  ceud  latha  'n 
t-samhraidh  air  a  choimhead  anns  na  laithean  a 
dh'  fhalbh  mar  latha  feille,  's  gu  'm  biodh  an 
aois  's  an  oige  a'  cur  seachad  an  latha  le  cluich 
is  abhacas  is  fearas-chuideachd.  Bhiodh  iad  ag 
eiridh  trath  'sa  mhaduinn,  's  a'  dol  a  mach  do  na 
raointean  a  chruinneachadh  fhlur  'sa  dhannsa. 
Cha  'n  'eil  fad  o  stad  an  seana  chleachdadh  sin 
ann  an  Sasunn,  's  cha  'n  'eil  sinn  cinnteach  nach 
'eil  beagan  dheth  a  lathair  fhathast.  Ach  a  reir 
coltais  cha  robh  moran  suim  aig  na  Gaidheil  do 
na  fliiraichean.  Is  ann  do  tlieine  bha  iadsan  a' 
toirt  urraim  ann  an  cleachdanna  latha  Bealltainn. 
Tha  sgoileirean  ag  radh  gur  h-e  a's  ciall  do  'n 
fhacal,  teine  Bheil,  aon  de  na  diathan  a  bh'  aig 
na  Gaidheal,  dia  an  i-.^^oluis.  Bha  ar  n-athraich- 
ean  a'  deanamh  aoraidh  do  'n  ghrein,  's  ged  is 
fhad  o  chaidh  na  laithean  sin  seachad,  tha 
cleachdannan  aig  daoine  fhathast  a  thoisich  ri 
linn  an  aoraidh  sin.  Tha  moran  dhaoine  nach 
rachadh  an  aghaidh  na  greine  airson  an  t  saogh- 
ail.  Mas  ann  air  mullach  na  cruaich  arbhair  a 
bhios  iad,  theid  iad  mu  'n  cuairt  deiseil ;  mas 
ann  aig  tiodhlacadh  a  bhios  iad,  seachnaidh  iad 
an  rathad  a's  usa  mas  eiginn  e  los  tigh'nn  a  dh' 
ionnsuidh  na  h-uagha  deiseil ;  cuiridh  iad  an 
gloine  rau  'n  cuairt  aig  a'  bhord  deiseil.  Tha 
iad  cinnteach  ma  ni  iad  rud  sam  bith  tuathal, 
gu  'm  bi  'n  tubaist  'na  lorg.  Gu  de  tha  sin  ach 
seorsa  de  chuimhne  air  creidimh  ar  n-athraichean 
an  uair  a  bha  iad  a'  deanamh  aoraidh  do  'n 
ghrein. 

Bha  chuid  mhor  de  dhuthchannan  an  t-saoghail 
a  deanamh  aoraidh  do  Chumhachdan  Naduir, 
mu  'n  d'  fhuair  iad  eolas  air  an  t-soisgeul,  's  bha 
e  gle  nadurra  gu  measadh  iad  a  Ghrian  airidh 
air  urram  os  cionn  gach  ni  eile.  B'e  ghrian 
Mathair  an  t-soluis,  Mathair  na  teas,  Mathair  fas 
is  toraidh,  's  tha  e  furasda  gu  leor  a  thuigsinn 
gu  'm  biodh  an  t-am  de  'n  bhliadhna  anns  a 
bheil  i  ruighinn  airde  neirt  air  a  chomharrachadh 
a  mach  mar  am  freagarrach  airson  aoradh  a 
dheanamh  dhith,  agus  gairdeachas  a  dheanamh 
'na  baighealachd  's  na  cuinhachd. 

Air  latha  Bealltainn  bha  na  teintean  air  an  cur 
as  anns  a  h-uile  tigh,  's  bha  'n  sluagh  a'  cruinn- 
eachadh  gu  bhi  fadadh  teine  do  Bheil.  Anns 
an  fheasgar  bhiodh  na  teintean  air  am  fadadh  a 
rithist  le  gradan  a  teine  na  Bealltainn.  'S  iomadh 
rud  a  bha  dol  air  aghaidh  air  an  latha  so,  nach 
ruigear  a  leas  tigh'nn  thairis  air.  'Nuair  a  chuir 
an  creidimh  Criosduidh  as  do  dhiathan  breige 
nan  Gaidheal,  dh'  fheuch  an   Eaglais  ri  toirt  air 


an  t-sluagh  stad  de  na  chleachdannan  a  bh'  aca 
ri  linn  an  t-seann  aoraidh.  Ach  cha  robh  sin 
furasda  do  'n  Eaglais  a  dheanamh.  Ged  a  dh' 
atharraich  an  sluagh  an  creud,  bha  car  de  thaoibh 
aca  ris  na  seann  ghnathannan,  agus  is  iomadh 
rud  a  dheanamh  iad  nach  bu  mhaith  leo  fhios 
a  bhi  aig  an  t-sagart  air.  Ged  a  shuidheadh  iad 
anns  an  eaglais  Di-domhnaich,  's  a  dh'  aontaich- 
eadh  iad  ris  na  theireadh  am  ministear — co  dhiu 
nach  cuireadh  iad  'na  aghaidh — rachadh  iad  Di- 
luain  's  dheanadh  iad  ubagan  is  orachan  is 
giosragan  mar  a  b'  abhaist.  Anns  a'  bhliadhna 
1655  dh'  iarr  Cleir  lonar-feothaireiri  air  na 
ministearan  achmhasan  geur  a  thoirt  d'an  coimh- 
thionailean  airson  a  bhi  dol  troimh  'n  arbhar  le 
teine  airlatha  Feill-Sheathain — latha  meadhonach 
an  t-Samhraidh.  Cha  do  leig  an  sluagh  dad 
orra,  ach  cha  do  chuir  facal  na  cleire  stad  air  an 
rud.  Is  fhad  o  thoisich  ministearan  is  foirfich 
lonarnis  air  trod  ri  muinntir  a'  bhaile  airson  a 
bhi  dol  gu  tobraichean  naomha,  ach  an  diugh 
fhathast  air  a'  cheud  mhaduinn  de  'n  t-samhradh, 
bidh  muinntir  lonarnis  'nan  ruith  's  'nan  reis  a' 
deanamh  air  tobair  naomh  Chiil-fhodair. 

Air  latha  Bealltainn  bhiodh  na  seann  daoin" 
a'  lasadh  da  theine  dluth  d'a  cheile,  's  bhiodh  iad 
ag  iomain  a'  chruidh  eatorra.  Bhiodh  iad  a'  cur 
na  cloinne  eatorra  cuideachd,  Bha  iad  an  dull 
nach  eireadh  olc  do  ni  no  do  neach  a  rachadh 
troimh  'n  teine — nach  laidheadh  suil  orra,  's  nach 
b'  urrainn  do  bhuidsich  no  do  shithiche  cron  a 
dheanamh  orra.  Bhiodh  iad  a'  bruich  bonnach 
mor  coirce  's  'ga  thilgeil  'na  chrioraagan  far  an 
gualainn,  's  a  h-uile  criomag  a  thilgeadh  iad  dh' 
abradh  iad  :  — 

Sud  dhuitse,  shionnaich,  seachain  mo  chaoraich, 
Sud  dhuitse,  fhilhich,  seachain  m!  uain, 

agus  rannan  eile  de  'n  t-seorsa  sin,  a'  dol  thairis 
air  a'  chrodh  's  air  a'  chloinn  's  air  gach  ni  a  bh' 
aca,  ag  iarraidh  gun  dionadh  Athair  nan  dul  is 
Righ  an  fhortain  iad  o  ghaoid  's  o  ghalair,  o 
thubaist  's  o  bhas-  Tha  ministear  a  bh'  ann  an 
Calasraid  o  chionn  da  cheud  bliadhna  ag 
innseadh  gu  'm  biodhte  lasadh  teine  Bealltainn 
air  na  cnuic,  's  a  thuilleadh  air  sin  gu  'm  biodh 
balaich  agus  buachaillean  a'  deanamh  bonnaich 
ris  an  abradh  iad  bonnach  Bealltainn.  'Nuair  a 
bhiodh  am  bonnach  bruich,  bhiodh  e  air  a 
bhriseadh  'na  chriomagan,  's  air  a  thilgeil  ann 
am  boinneid  fear  de  'n  chuideachd.  Bha  aon  de 
na  criomagan  airaduthadh,  's  chuireadh  iad  uile 
an  lamh  'sa  bhoinneid  's  bheireadh  iad  aisde 
criomag  de  'n  bhonnach  mar  gu  'm  biodh  iad  a' 
togail  chrann.  Uh'  fheumadh  am  fear  air  an 
tigeadh  am  bonnach  dubh  leum  tri  uairean 
troimh  'n  teine.  Faodaidh  gu  'n  do  thoisich  an 
cleachdadh  anns  na  laithean  anns  am  biodh  iad 
a'  tilgeil  chrann  feuch  co  a  rachadh  iobradh — oir 
tha  e  coltach  gu  robh  an  cleachdadh  uamhasach 


20 


sin  anns  an  duthaich  so  cho  mhaith  ri  duthchaiina 
borb  eile.  Stad  sin  o  chionn  nan  ceudan 
bliadhna,  ach  ged  nach  robh  fhios  aig  balach 
Chalasraid  gu  de  bu  chiall  do  'n  rud,  'nuair  a 
bheirte  air  leum  tri  uairean  troimh  theine, 
faodaidh  gu  robh  an  cleachdadh  'na  sheorsa 
cuimhne  air  na  laithean  a  dh'  fhalbh,  's  air 
gnathanna  borb  a  bh'  aig  ar  n-athraichean. 

Air  oidhche  roimh  latha  Bealltainn  bhiodh  na 
seann  daoine  a'  toirt  fior  aire  do  'n  chrodh  air 
eagal  gu  'm  biodh  an  toradh  air  a  thoirt  as  a' 
bhainne.  B'e  so  an  oidhche  anns  am  faigheadh 
na  buidsichean  cead  an  coise,  's  anns  am  biodh 
iad  a'  dol  am  measg  a'  chruidh  ann  an  iomad 
cruth.  Bhiodhte  'ga  fuadachadh  air  falbh  le  bhi 
crathadh  fior  uisge  air  druim  a'  chruidh,  a' 
ceangal  an  earbaill  le  snath  dearg,  a'  crochadh 
bad  caoruinn  air  ard-dhorus  na  bathigh,  's  ag 
radh  rannan  sonruichte  am  feadh  's  a  bhiodhte 
deanamh  sin.  Nam  biodh  an  t-im  deas  aig  bean 
an  tighe  roimh  eiridh  na  greine  air  latha 
Bealltainn,  cha  'n  eiridh  beud  do  'n  chrodh  air  a' 
bhliadhna  sin. 

Tha  latha  Bealltainn  a'  tuiteam  daonnan  air 
an  latha  de  'n  t-seachduinn  as  deigh  an  latha  air 
an  do  thuit  a'  bhliadhn'  iir.  Theireadh  na  seann 
daoine — Nollaig  an  diugh,  Bealltainn  a  maireach. 
Bha  Bhealltainn  'na  clach  mhileanns  a'  bhliadhna. 
Cha  chuala  mi  m'  athair  ag  radh  riamh  April  no 
lune  :  theireadh  e — Mios  an  deigh  Bealltainn 
no  tri  seachdainnean  roimh  Bhealltainn,  air  reir 
mar  bhiodh  an  latha.  B'e  'n  doigh  cunntais  a 
bh'  aige — uiread  de  laithean  roimh  no  an  deigh 
Nollaige,  An  Fhaoillich,  Fheill  Bride,  Fheill 
Par^iig,  Bealltainn,  luchar,  Lunasdal,  Samh- 
ainn.  Ach  'se  rud  a's  miosa,  nach  bi  gin  d'a 
mhic  a'  cunntas  air  an  doi"h  cheudna. 


BAISTEADH. 


Tha  eagal  oirnn  gu  bheil  moran  dhaoin'  an 
diugh  a'  call  meas  air  sacramaid  a'  Bhaistidh. 
Tha  so  gle  iongantach,  gu  sonruichte  anns  a' 
Ghaidhealtachd  far  a  bheil  daoin'  a'  sealltainn 
air  Sacramaid  Suipeir  an  Tighearn  ann  an  doigh 
cho  soluimte.  Tha  iad  a  faireachduinn  gu  'm 
biodh  e  'na  chionnt  uamhasach  iad  a  thigh'nn 
gu  bord  a'  chomanachaidh  ann  an  doigh  aotrum, 
gun  iomradh  air  gu  de  tha  'n  t-Sacramaid  a' 
ciallachadh.  Tha  sin  r'a  mholadh,  oir  tha  'n 
t-ordugh  'gar  toirt  aghaidh  ri  aghaidh  ris  na 
firinnean  a's  doimhne  's  a'  chreidimh  Chriosd- 
uidh,  aghaidh  ri  aghaidh  ri  diomhaireachd  na 
diadhachd.  Ach  tha  Sacramaid  a'  bhaistidh  a' 
deanamh  sin  mar  an  ceudna,  's  tha  e  na  ni  cho 
soluimte  do  dhuine  baisteadh  iarraidh  d'a  chloinn 
'sa  tha  e  comharadh  iarraidh  airson  a'  choman- 


achaidh. Ach  tha  moran  dhaoine  nach  'eil  a' 
saoilsinn  sin.  Ged  nach  gabhadh  iad  orra  airson 
an  t-saoghail  tigh'nn  a  dh'  ionnsuidh  a'  bhuird, 
iarraidh  iad  baisteadh  gun  fhiamh,  gun  eagal. 
Tha  iad  a'  sealltuinn  air  mar  rud  a  tha  freagarrach 
a  dheanamh  a  chionn  gur  h-e  sin  cleachdadh  na 
duthcha,  ach  an  taobh  a  mach  dheth  sin  cha  'n 
'eil  iad  an  duil  gu  bheil  feum  mor  sam  bith  ann  : 
tha  'n  leanabh  a'  faotainn  ainme,  ach  sin  uil'  e. 
Cha  'n  'eil  an  corr  aca  mu  thiomchioll,  's  cha 
mho  tha  iad  a'  faireachduinn  gur  h-fheairrd  no 
gur  misd  iad  fhein  no  'n  clann  an  rud  a  bh'  air 
a  dheanamh.  Cha  'n  'eil  iad  a'  sealltuinn  air  a' 
Bhaisteadh  mar  gu  'm  b'e  Sacramaid  a  th'  ann 
idir. 

Bhiodh  e  gu  buanachd  mhor  do  bheatha  na 
h-Eaglais  nan  tugadh  an  sluagh  am  barrachd 
suim  do  Bhaisteadh,  's  nam  biodh  an  t-sacramaid 
air  a  togail  a  dh'  ionnsuidh  an  ait'  a  th'  air  a 
thoirt  dhith  ann  an  Leabhar  Aidmheil  a'  Chreid- 
imh, 's  ann  an  Riaghailtean  na  h-Eaglais  Ath- 
leasaichte  mu  Aoradh  FoUaiseach.  Los  so  a 
dheanamh  bhiodh  e  'na  chuideachadh  mor  nam 
feuchadh  ministearan  is  seiseinean  ris  an  t-sac- 
ramaid a  fhrithealadh  ni  bu  bhitheanta  anns  an 
eaglais.  Bheireadh  so  an  da  chuid  cothrom  do'n 
mhinisteir  teagasg  a  thoirt  mu'n  t-sacramaid 
do  'n  choimhthional  uile  mar  nach  h-urrainn  e 
dheanamh  air  dhoigh  eile,  's  ghabhadh  an  t-ordugh 
a  fhrithealadh  air  mhodh  a's  soluimte  no  ann  an 
tigh.  Cha  bu  choir  baisteadh  a  bhi  air  a 
dheanamh  anns  an  dachaidh,  ach  an  uair  nach 
'eil  e  freagarrach  a  dheanamh  anns  an  eaglais. 
Aig  a'  chuid  a's  lugha,  tha  'n  t-ordugh  a'  ciall- 
achadh gu  bheil  na  leanaban  air  an  toirt  a  steach 
do  chomunn  nan  Criosduidhean  anns  an  eaglais 
fhaicsinnich,  's  tha  coir  sin  a  dheanamh  gu 
follaiseach  an  lathair  a'  choimhthionail.  Cha  'n 
e  mhain  gu  bheil  dleasdanas  aig  na  parantan  a 
thaobh  an  cloinne,  ach  tha  dleasdanas  mar  an 
ceudna  aig  Comunn  nan  Criosduidhean  a  thaobh 
gach  leanaibh  a  tha  iad  a'  gabhail  a  steach  nam 
measg.  An  uair  a  tha  'm  baisteadh  air  a  dhean- 
amh 's  an  eaglais  tha  e  furasda  so  a  chur  'nan 
cuimhne.  Tha  na  Cleirean  a'  faotainn  cunntais 
a  h-uile  bliadhna  air  an  aireamh  chloinne  chaidh 
a  bhaisteadh  's  an  eaglais,  's  an  aireamh  a  chaidh 
a  bhaisteadh  's  an  dachaidh,  's  tha  'n  aireamh  a 
bhaisteadh  's  an  eaglais  fada  fada  ni  's  lugha  na 
bu  choir.  Tha  sinn  an  duil  gu  faodadh  luchd 
dreuchd  na  h-eaglais  so  a  cheartachadh  ann  an 
tomhas.  Tha  daoine  reusanta,  's  gabhaidh  iad 
comhairle,  's  cha  'n  'eil  e  idir  duilich  toirt  orra 
toiseachadh  air  a'  chleachdadh  so.  Cha  robh 
guth  mor  no  droch  fhacal  uime,  's  bha  'n 
sluagh  cho  toileach  ris  an  t-seisein.  Cha  ruigear 
leas  riaghailtean  cruaidh  a  dheanamh  mu  'n 
chuis,  ach  bu  choir  sacramaid  a'  Bhaistidh  a  bhi 
air  a  frithealadh  an  lathair  a  choimhthional, 
'nuair  a  ghabhas  e  idir  deanamh. 


I 

4 


I 


Air. 


1908. 


AONADH  RI  CRIOSD. 

Fanaihh  annamsa,  agus  mise  annaibh-se. 
— EoiN  XV.  4. 
Ged  tha  an  Sgiiobtur  uile  tarbhach  chum 
teagaisg  's  chum  oilein  ann  am  fireantachd,  tha 
cuid  de  'n  Leabhar  Naomh  a's  fhearr  leinn  na 
cheile.  Fhuair  na  caibidealan  so  de  shoisgeul 
Eoin,  xiii.-xvii,  aite  ann  an  cridhe  na  h-Eaglais 
nach  d'  fhuair  Utreachas  eile  chaidh  riamh  a 
sgriohhadh.  Cha  'n  ioghnadh  ged  fhuair.  Bha 
iad  air  an  labhaiit  leis-san  a  labhair  mar  nach  do 
labhair  neach  rianih,  agus  aig  an  aon  am  a  bu 
sholuimte  'na  bheatha.  Ged  a  bha  Ian  fhios  aig 
Criosd  nach  b'  fhada  'n  nine  gus  am  biodh  E  air 
a  thoirt  thairis  do  lamhan  a  naimhdean,  bha 
chridh'  air  a  lionadh  le  sith  Dhe,  's  chuir  E 
seachad  na  huairean  deireannach  ann  a  bhi 
misneachadh  a  chairdean  le  briathran  cho  ciuin, 
cho  domhain,  's  cho  brioghmhor  's  gu  bheil  iad 
'nan  aran  beatha  do  'n  t-saoghal  gus  an  latha 
diugh.  Ged  nach  deanadh  an  t-Abstol  Eoin 
seirbhis  eile  do  'n  Eaglais  ach  na  briathran  so  a 
ghleidheadh  air  chuimhne,  bhiodh  i  'na  chomain 
gu  brath.  Thaisg  e  cornhradh  deireannach  a 
Mhaighstir  'na  chridhe  mar  nach  do  rinn  h-aon 
eile  de  na  h-abstoil,  's  an  deigh  do  mhoran 
bhliadhnachan  dol  seachad,  ghabh  e  do  chuid 
Chriosd  agus  fo  sheoladh  an  Spioraid  Naoimh, 
nochd  e  dhuinne  e.  Am  measg  nithean  eile  a 
labhair  Criosd  aig  an  am  ud  tha  Eoin  ag  innseadh 
dhuinn  gu  'n  do  leag  E  cudthrom  sonruichte  air 
an  aonadh  a  tha  eadar  E  fhein  's  a  shluagh  — an 
ceangal  diuth  a  tha  eadar  an  Eaglais  air  thalamh 
is  Ceann  na  h  Eaglais  air  neamh.  Fanaibh 
annamsa  agus  mise  aunaihh-se.  Is  inise  an 
fhionain,  sibhse  na  geugan.  Mise  annta  san, 
agus  ihusa  annamsa,  chum  gu  'n  deanar  coimh- 
lionta  iad  ann  an  aon.  Fhuair  an  smuain  a 
th'  anns  na  briathran  so  a  leithid  de  ghreim  air 
inntinn  an  Abstoil  Eoin  's  gu  bheil  e  tigh'nn 
thairis  oirre  an  drasd  's  a  rithist  mar  gu  'm  biodh 
e  faotainn  solas  agus  togail  cridhe  anabarrach 
ann  a  bhi  beachdachadh  air  an  diomhaireachd 
mhor  so  mu  Chriosd  agus  an  Eaglais.  Anns  a' 
cheud  litir  a  sgriobh  e  tha  'n  smuain  a'  tachairt 
oirnnannsa  h-uile  caibideal — An  ti  a  choimhideas 
' a,itheanta-san,  tha  e  gabhail  comhnuidh  ann, 
agus  Esan  ann  san  :  agus  le  so  is  aithne  dhuinn 
gu  bheil  Esan  a'  Juireach  annainn,  o'n  Spiorad 
a  thug  E  dhuinn.  Cha  'n  'eil  Eoin  leis  fhein 
ann  a  bhi  teagasg  gu  bheil  aonadh  cho  dluth 
eadar  Criosd  's  a  shluagh  's  gu  faodar  a  radh  gu 
bheil  Esan  anntasan  agus  iadsan  ann-san.     Bha 


Eoin  agus  Pol  gle  eu-coltach  ri  cheile  ach  air  a' 
chuis  so  tha  iad  a'  labhairt  le  aon  ghuth,  's  tha 
Pol  a'  toirt  na  fianuis  cheudna  mu  'n  cheangal  a 
tha  eadar  an  Tighearn  's  an  Eaglais.  Nach  'eil 
fhios  agaibh,  ars'  esan  ris  na  Corintianaich,  gur 
si/ih  ieampuU  Dhe,  's  gu  bheil  Spiorad  Dhe  'na, 
chomhnuidh  annaibh.  Cha  mhise,  ars'  esan  ris 
na  Galatianaich-  a  tha  beo  ach  Criosd  tha  beo 
annani.  Tha  ar  beatha  folaichte  ann  an  Criosd. 
Ged  a  bha  Eoin  is  Pol  fad  o  cheile  'nan  gne  's 
'nan  oilein,  tha  iad  a'  cordadh  mu  'n  teagasg  so 
a  chionn  gu'n  d' ol  iad  as  an  an  aon  tobar,  's  gu, 
robh  iad  air  an  soillseachadh  leis  an  aon  solus: 
— an  solus  a  thainig  o'n  airde.  Cha  'n  'eil  iad  a' 
toirt  fianuis  air  bith  dhuinne  ach  mar  fhuair  iad 
fhein  an  toiseach  o'n  Tighearn. 

I.  Tha  tri  samhlaidhean  air  an  cleachdadh  'sa 
Bhiobull  a  tha  cur  soluis  air  an  aonadh  a  tha 
eadar  Criosd  is  creidmhich.     Is  iad  sin — 

.4?!  fhionain  agus  na  geugan 
An  corp  agus  na  buill. 
Ceangal  a'  Phosavlh. 

Mar  tha  beath'  is  sugh  an  fhionain  a'  sior 
shruth  gu  reidh  samhach  a  dh'  ionnsuidh  gach 
geug  is  gucag  is  duilleach,  mar  sin  tha  beath'  is. 
cumhachii  Chriosd  ag  oibreachadh  gu  reidh 
samhach  anns  na  daoine  th'  air  an  aonadh  ris  le 
creidimh  beo.  Cha  'n  fhaicear  's  cha  chluinnear 
am  feur  a'  fas,  's  cha  tig  rioghachd  Dhe  air  chor 
gu  mothaichear  i.  Mar  tha  moran  bhall  anns 
a'  choip,  cnamhan  is  feithean  is  uilt,  agus  iad 
uile  'g  oibreachadh  gu  h-ordail  's  air  an  gluasad 
leis  an  aon  bheatha;  mar  sin  tha  'n  Eaglais  air 
thalamh.  Is  e  'n  Eaglais  corp  Chriosd,  agus  is 
Criosd  an  Ceann,  o'm  bheil  an  corp  uile,  air  a 
cheangal  gu  ceart,  agus  air  a  dhluthachadh  tre 
an  ni  sin  a  tha  gach  alt  a'  toirt  uaith,  a  faghail 
fas  cuirp,  chum  gu  fas  sin  suas  anns  na  h-uile 
nithibh  chuige-san.  Tha  staid  a'  phosaidh,  mar 
an  ceudna,  'na  samhladh  air  a  cheangal  chaomh- 
ail  's  air  an  aonachd  a  tha  eadar  Criosd  's  a 
shluagh.  Bithidh  an  dithis  'nan  aon  fheoil.  Cha 
d'  thug  duine  air  bith  riamh  fuath  d'a  fheoil 
fhein,  ach  altrumaidh  agus  eiridnidh  e  i,  eadhoin 
mar  a  ta  an  Tighearn  a'  deanamh  do  'n  Eaglais. 
Mar  tha  fear  is  bean  fo  chumhachd  graidh  'nan 
aon,  mar  sin  tha  Criosd  is  creidmhich. 

Cha  'n  'eil  anns  na  samhlaidhean  so  ach 
oidhirpean  air  cainnt  a  chur  air  firinn  a  tha  dol 
OS  cionn  tuigs'  an  duine.  Tha  fiosrachadh  an 
anma  air  an  aonadh  bheannaichte  so  'na  ni  cho 
mor  's  cho  beairteach,   's  nach  gabh  e   cainnt 


■a  chur  air.  Cha  ghabh  e  innseadh  aim  an  aon 
fhacal.  Cha  'n  urrainnear  innseadh  ann  an  aon 
fhacal  ciod  an  daimh  a  th'aig  Criosd  r'a  shluagh. 
Tha  E  dhaibh  'na  Bhuachaille  ach  tha  E  'na 
sliolus  mar  an  ceudna.  Tha  e  'na  Righ,  ach  tha 
E  'na  aroM  na  beatha,  Tha  E  air  fada  uapa, 
gidheadh  tha  E  maille  riu.  Tha  E  an  taobh  a 
muiffh  dhiu,  gidheadh  tha  E  'n  taobh  a  stigh 
dhiu.  Tha  Esan  annt-san,  's  tha  iadsan  annsan. 
Ach  ged  tha  e  duilich  cainnt  a  chur  air  fiosrach- 
adh  an  an  ma,  tha  'm  fiosrachadh  sin  fior,  's 
dhearbh  sluagh  an  Tighearn  anns  a  h-uile  hnn 
gu  bheil.  Fhuair  iad  a  leithid  de  dhluths  ri 
Criosd  's  gu  faodta  radh  gu  robh  iad  a'  fantuinn 
ann  an  Criosd  agus  Esan  annta-san.  An  uair  is 
aithne  do  dhuine  'na  fhiosrachadh  fhein  an 
t-aonadh  so  ri  Criosd,  cridhe  ri  cridhe,  spiorad 
ri  spiorad,  beatha  ri  beatha,  tha  bheatha  mhair- 
eannach  air  a  ghiulan  anns  an  t-seadh  anns  a 
bheil  an  t-Abstol  Eoin  a'  cleachdadh  an  fhacail 
sin.  Le  beatha  mhaireannach  tha  Eoin  a'  ciall- 
achadh,  fiosrachadh  anma  anns  an  am  a  tha 
latbair,  's  cha  'n  e,  tiodhlac  a  tha  feitheamh  air 
creidmhich  ann  an  neamh. 

II.  Tha  Criosd  a'  teagasg  gu  bheil  creidmhich 
a'  fantainn  annsan  amhuil  a  ta  Esan  a'  fantainn 
anns  an  Athair.  Tha  'n  daimh  a  tha  eadar  E 
fhein  's  a  shluagh  'na  leth  bhreac  air  an  daimh 
a  tha  eadar  am  Mac  's  an  t- Athair.  Gu  de  an 
daimh  anns  a'  bheil  pearsachan  glormhor  na 
Trianaid  a'  seasamh  d'a  cheile  ?  Is  e  sin  cuspair 
air  air  nach  h-urrainn  duine  labhairt  ach  le  mor 
irioslachd.  Ach  gabhaidh  beagan  soluis  faotainn. 
Thuirt  Criosd  fhein  gu  robh  Esan  's  an  t-Athair 
'nan  aon  a  chionn  gu  'ni  b'e  bhiadh  's  a  dheoch 
toil  an  Athar  a  dheanamh.  Cha  d'  thainig  mi, 
ars'  p]san,  a  dheanamh  mo  thoil  fhein  ach  toil 
an  Ti  a  chuir  uaith  mi.  Rinn  e  daonnan  na 
nithean  a  b'  aill  le  'Alhair,  's  aig  crioch  a  thuruis 
air  thalamh  b'  urrainn  E  radh — Ghloraich  mi 
t-ainm,  chriochnaich  mi  an  obair  a  thug  thu 
dhomh  ri  dheanamh.  Bha  e  umhail  do  Dhia, 
bha  earbs' aig  ann  an  Dia,  bha  co-fhaireachdainn 
aige  ri  ruintean  Dhe,  's  a  chionn  gu  robh,  bha 
aonachd  bheannaichte  eadar  E  fhein  is  Uia  nach 
deachaidh  riamh  a  bhristeadh.  Bha  iad  da- 
rireadh  a  dh'  aon  inntinn  's  a  dh'  aon 
chridhe.  ■  A  chionn  gu  robh  iad  a'  cordadh 
ann  an  seadh  moralta,  bha  iad  aonaichte 
ann  an  seadh  spioradail.  Tha  cheart  ni  fior  a 
thaobh  Chriosd  's  a  shluaigh.  Gus  am  bi  an 
toil-san  air  a  lubadh  ri  thoil-san,  cha  bhi  fios- 
rachadh aca  air  an  aonadh  bheo  so  air  a'  bheil 
Eoin  a'  labhairt,  's  a  thug  dha  fhein  sonas  is 
aoibhneas  cho  mor.  An  uair  a  tha  creidmhich 
a'  cur  an  toil,  's  am  beachdan,  's  an  iarrtuisean 
fhein  an  aghaidh  toil  is  facal  Chriosd,  tha  'n 
t-aonadh  eatorra  air  a  bhriseadh,  Mur  h-eil 
iad,  ann  an   tomhas,  coltach  ris-san  gu  moralta. 


cha  'n  'eil  iad  aonaichte  ris  gu  spioradail. 
Mur  dean  iad  a  thoil-san,  cha  'n  'e?l  iad 
a'  fantuinn  ann.  Ma  chbimhideas  sibh  in' 
aitheanta,  fanaidh  sibh  ann  am  ghradh  ;  mar  a 
choimhid  inise  aitheanto  m'  athar,  agus  a  tha  mi 
fantuinn  'na  ghradh.  Ach  ged  tha  e  fior  gur 
h-e  iadsan  a  mhain  a  ni  toil  Chriosd  a  dh'  fhanas 
ann,  tlia  e  fior,  mar  an  ceudna,  gur  h-e  iadsan 
anns  a'  bheil  Esan  a'  fantuinn  a's  urrainn  a  thoil 
a  dheanamh.  Is  e  Esan  and  a  chuid  a  bheatha 
agus  an  toradh. 

III.  Ciamar  a  ruigeas  sinn  air  an  aonadh 
tharbhach  so  ?  Anns  an  t-seathamh  rann  deug 
de  'n  chaibideal,  tha  Eoin  ag  radh  nach  ann  o'r 
taobh-ne  tha  e  toiseachadh  idir  ach  o  thaobh 
Chriosd.  Cha  sibhse  thagh  inise,  ach  inise  a 
thagh  sibhse,  agus  dh'  orduich  mi  sibh  chum  gii'n 
d'  tugadh  sibh  a  mach  toradh  Is  e  sin  aon 
taobh  de  'n  fhirinn,  ach  tha  taobh  eile  oirre. 
Ann  a  bhi  'g  radh  fanaibh  annam-sa  tha  Criosd 
a'  teagasg  gu  feum  toil  an  duine  gluasad  cho 
maith  ri  thoilsan  ma  'n  gabh  an  t-aonadh  so 
dheanamh.  Tha  e  fior  gur  h-ann  ann  an  cridhe 
Dhe  a  tha  obair  grais  a' toiseachadh  an  toiseach, 
ach  ann  an  gnothuch  anma  feumaidh  an  duine 
fhein  comh-oibreachadh  maille  ri  Dia.  Ged  is 
e  a'  ghradh  'sa  chaomhalachd  's  a  thruacantachd 
fhein  a  tha  toirt  an  t-Slanuighear'g  ar  n-ionnsuidh 
an  toiseach,  cha  'n  fhan  e  maille  ruinn  mur 
gleachd  sinn  ris  mar  rinn  lacob  ris  an  aingeal  's 
mur  h-abair  sinn — Cha  leig  mi  as  Ihu  gus  am 
beannaich  Thai  mi.  Tha  Esan  a  tigh'nn  trie  a 
dh'  ionnsuidh  an  doruis  ach  tha  sinn  'ga  leigeil 
air  falbh  a  chionn  gu  bheil  aoidhean  eile  stigh 
nach  bu  mhaith  leinn  gu  faiceadh  E.  Cha 'n 'eil 
an  t-aon  a's  fhearr  againn  a'  fantuinn  annsan  ach 
nine  ghoirid ;  cha  'n  aithne  dhuinn  am  fiosrachadh 
air  a'  bheil  Eoin  a'  labhairt  ach  an  drasd  'sa 
rithist.  Cha  'n  ann  aig  Criosd  a  tha  choire  ach 
againn  fhein.  Dhaibh-san  a  ghradhaicheas  E 
agus  a  choimhideas  aitheantan  tha  gealladh  Dhe 
seasmhach  —  Gradhaichidh  m'  Athair  e,  agus 
thig  sinn  'ga  ionnsuidh  agus  ni  sinn  ar  comh- 
nuidh  maille  I'is. 

Cha'n  e  mo  mhiann  thu  thriall  air  falbh  gun  dail 
Mar  neach  air  chuairt,  ach  thu  bhi  gabhail  taimh 
Am  chuideachd  fhein  a  Dhe,  le  cairdeas  dluth, 
A  chaoidh  nan  cian  nach  treig,  fan  maille  rium.' 


NA     SEANN     LAITHEAN. 


Tha  e  'na  fhasan  aig  nioran  dhaoine  anns  an 
latha  diugh  a  bhi  'g  radh  nach  'eil  cor  an  t-sluaigh 
idir  cho  mhaith  'sa  bha  e  an  uair  a  bha  iadsan 
6g.  Tha  sinn  an  duil  na  rachamaid  air  ar  n-ais 
a  dh'  ionnsuidh  an  ama  anns  ad  robh  iad  6g, 


4 


I' 


23 


gu'ti  cluinneamaid  a'  cheart  ghlaodh.  Theireadh 
na  seanairean  ruinn  gu'n  d'  atharraich  an  t-sid 
seach  mar  bhi  i,  gu  robh  ghaoth  n-ear  ni  b' 
fhuaire  na  bha  i  an  uair  a  bha  iad  'nam  balaich, 
's  nach  robh  uiread  cinneis  air  an  talamh  no 
uiread  cairdeis  am  measg  an  t-sluaigh.  Bha 
h-uile  duine  'na  cheatharnach  an  uair  a  bha  iad 
bg,  bha  samhradh  ni  b'  fhaide  na  tha  e'n  diugh, 
bha  'm  barr  ni  b'  I'hearr  's  cha  robh  dith  no 
deireas  air  duine  beo.  Ach  'nuair  a  sheallas 
sinn  air  cor  na  duthcha  anns  na  laithean  a  dh' 
fhalbh  chi  sinn  gu  soilleir  gu  bheil  cuisean  an 
diugh  fada,  fada  ni  's  fhearr  na  bha  iad  ri  hnn 
ar  seanar.  Thainig  atharrachadh  mor  air  a' 
Ghaidhealtachd  's  air  cor  an  t-sluaigh  o  chionn 
ceud  bliadhna  's  cha  'n  ann  idir  airson  a  chuid 
a's  miosa.  Tha  na  daoiue  ni  's  fallaine  's  ni  's 
fad  shaoghalaiche  na  bha  iad,  tha  gloine  is 
doighealaclid  anns  na  tighean  mar  nach  robh 
annta,  's  tha  'n  tuath  ni  's  biadhte  's  ni  's  comh- 
daichte  na  blia  iad.  Dh'  fhaodadh  duine  'n 
diugh  dol  troimh  sgireachd  an  deigh  sgireachd 
's  a;un  teaghlach  a  thachairt  air  anns  a  bheil 
acras  no  cion,  acli  anns  na  laithean  a  dh' fhalbh 
bha  leiihid  de  ghainne  's  de  bhochdainn  am 
measg  an  t  sluaigh  's  nach  bu  ruith  ach  leum  le 
fir  laidir  obair  latha  dheanamh  airson  am  bidh. 
Ann  am  bliadhna  nam  brisgtinean  bhiodh  fir- 
thighe  a'  leantail  a'  chroinn  ag  iarraidh  narn 
brisgeinean  airson  an  itheadh  leis  an  acras  a  bh' 
orra.  Bha  'n  sluagh  lionmhor,  bha  'n  talamh 
air  a  dhroch  oibreachadh,  bha  cosnadh  gann  's 
gad  a  bha  duine  a  sid  's  a  so  air  a  dheagh  dhoigh, 
bha  mhor  chuid  de  'n  t-sluagh  ann  an  staid 
biiochd.  Chuireadh  na  cailleachan  a  th'  air 
bord  nam  bochd  an  diugh  car  'nan  sroin  nan 
tairgte  dhailih  am  biadh  leis  an  robh  croitearan 
an  la  ud  toilichte.  Clia  b'  fhearr  na  tighean  no 
'm  biadh.  Clia  robh  annta  ach  bothagan  beaga 
salach,  air  bheagan  soluis  's  air  mhoran  toite,  an 
crodh  anns  an  dara  ceann  dhiu  's  na  cearcan  a' 
cadal  air  na  sparran.  Cha  'n  'eil  ioghnadh  ged 
a  bha  breac  is  fiabjirus  a'  tannachadh  na  duthcha 
an  drasd  's  a  rithist.  Cha  ghiulaineadh  mon- 
aidhean  na  Gai.lhealtachd  an  aireamh  dhaoin'  a 
bh'  air  an  uaclidar,  's  thoisich  an  sluagh-  air 
bruchdadh  a  null  a  dh'  America.  Bha'n  sluagh 
aineolacii  seach  mar  tha  iad  an  diugh.  Cha 
robh  e  furasda,  dhaibh  a  bhi  air  atharrachadh, 
oir  cha  robh  .'^goilean  no  maighstirean  sgoileaca. 
Anns  a'  bhliadhna  1826  bha  da  mhile  gu  leth 
duine  ann  an  sgireachd  lonarnis  nach  b'  urrainn 
leughadh  no  sgriobhadh,  agus  corr  is  leth  cheud 
mile  duine  anns  a'  Ghaidhealtachd  uile  gun  facal 
sgoil  'nan  ceann.  Ach  is  mor  an  t-atharrachadh 
a  thainig  air  an  dutliaich  o'n  latha  sin.  Ged 
nach  'eil  an  sluagh  cho  lionmhor  tha  iad  i  ni  's 
fhearr  air  an  doigh.  Tha  nacroitean  ni 's  motha 
's  tha  e  comasach  do  dhaoin'  am  beothlainn 
fhaotaihn    orra.       Thug    Achd   nan    Croitearan 


coir  air  an  fhearann  do'n  tuath,  's  nuair  a  fhuair 
iad  sin  bha  misneach  aca  tighean  a  b'  fhearr  a 
chur  suas  agus  an  tuilleadh  innleachd  is  dichill 
a  chleachdadh  ann  an  oibreachadh  a'  ghruinnd. 
Tha  'n  duthaich  air  a  fosgladh  suas  le  rathaidean 
mora,  le  bataichean  smuid,  's  le  carbadan  iaruinn 
air  chor  's  gu  bheil  e  comasach  do  na  Gaidheal 
malairt  a  dheanamh  ris  na  bailtean  mora.  Cha 
'n  'eil  moran  cosnaidh  anns  a'  Ghaidhealtachd 
do'n  oigridh  a  tha  'g  eiridh  suas,  ach  tha  sgoilean 
maith  aca  's  ma  'n  tig  iad  gu  ire  duine  tha  iad 
comasach  leis  an  ionnsachadh  a  tha  iad  a' 
faotainn  air  iad  fhein  a  thoirt  as  am  measg 
dhaoin'  eile  na  rioghachd.  Tha  iad  a'  deanamh 
sin,  's  tha  chuid  a  dh'  fhalbhas  o'n  bhaile  's  a' 
chuid  a  dh'  fhanas  aig  an  tigh  moran  ni  's 
comhfhurtachaile  'nan  crannchuir  na  bha  na 
daoin  o'n  d'  thainig  iad.  Tha  Ghaidhealtachd  a 
tigh'nn  air  a  h-aghaidh,  's  cha  'n  ann  a'  dol  air 
a  h-ais.  Tha  suilean  an  t-sluaigh  ni  's  fosgailte, 
tha  'n  dachaidhean  ni  's  gloine,  tha  'n  Ion  ni  's 
cinntiche,  's  tha  'n  slainte  ni  's  fhearr.  Ged  tha 
bochdainn  fhathast  ann  an  iomadh  cearn,  cha  'n 
'eil  an  t-acras  goirt  ann  a  b'  abhaist  an  cridhe 
thoirt  a  daoine.  Ged  a  bhios  na  bodaich  ag 
radh  gu  'm  b'  fhearr  an  de  no  'n  diugh,  cha 
.chreid  sinn  diog  dheth. 


A'  GHAIDHLIG. 


Tha  sinn  an  dull  nach  bi  e  as  an  rathad  cunntas 
a  dheanamh  anns  an  duilleig  so  air  an  aireamh 
dliaoin'  a  tha  bruidhinn  na  Gaidhlig  ann  an 
Albainn.  Tha  iad  ag  radh  ruinn  gu  bheil 
barrachd  dhaoine  'ga  bruidhinn  ann  an  America 
na  tha  'ga  bruidhinn  anns  an  duthaich  so. 
Faodaidh  sin  a  bhi,  ach  a  chionh  nach  'eil  fhios 
againn  air  an  dearbh  aireamh  a  bhruidhneas  i 
ann  an  America  cha  'n  abair  sinn  an  corr  rou'n 
chuis.  Tha  640,000  ann  an  Eirinn  a  bhruidh- 
neas i,  agus  4,500  anns  an  Eilein  Mhanaineach. 
Cha  'n  'eil  e  furasda  do  chinas  Gaidheal  dad  a 
dheanamh  do  chainnt  nam  Manaineach,  ach 
cha'n^eil  a'  Ghaidhlig  Eirionnach  idir  eu-coltach 
ri  cainnt  na  duthcha  so.  Bha  fear  siftbhail  aig 
an  dorus  an  la  roimhe,  agus  gsd  nach  deanadli 
an  corr  de  'n  teaghlach  a  bheag  d'a  sheanchas, 
chaidh  sinn  fhein  'na  chomhradh  agus  air  ar-n 
athais  thuigeamaid  e  maith  gu  leor,  Bha  e  o 
thaobh  an  iar  Eirinn. 

An  uair  mu  dheireadh  a  chaidh  an  sluagh 
aireamh  ann  an  1901  bha  230,800  aig  an  robh 
Gaidhlig;  Faodaidh  nach  'eil  fhior  uiread  an 
diugh  ann,  ach  cha  ghabh  an  t'-aitharrachadh  a 
bhi  mor.  Los  fhaicinii  ciaihar'  tllacuisean  anns 
na  h-eileinean  faodaidh  sinn  an'  rud  a  chur 
mar  so  :- -  ■    .      ■ 


24 


Caidhligr  is  Gun  diogr  ach 

■:  AITE.  Beurla.  Caidhlig-. 

Leodhas;.  '-     -^^  -     -     -  15,990         ,  9'928 

Na  h-Eaiirad'h,-'''-     -     -  2,662  2,217 

An  t-Eile'an  Sgiatlianach  9,837  2,858 

UidhiSt  niu 'I'huatli,       -  1,975  1,619 

Uidhist  niu  Dheas,  -     -  2,573  2,500 

Barraidh,    -     --     -     -  1,165  1,136 

Muile,    -       '   -,  ,        -     -  3.060  428 

Tiriodh,            -     -     -     -  1,156  894 

Colla,      -----  288  57 

Colasa,  -               -     -     -  241  44 

Diura,     -     -     -     -     -     -  460  60 

He,    -     -     -     -     -     -     -  5-136  644 

Arainn,        -,----  1,903  9 

Chithear  uaith  so  gur  h-e  muinntir  Bharraidh  is 
Uibhist  's  na  b-Earradh  daoin'  aig  a  lugha  bheil 
a  Bheurla,  's  nach  'eil  cion  teangaidh  air  na 
Muilich  's  na  h-Ilich  anns  an  da  chainnt. 

Ma  ghabhas   sinn   na  siorramachdan  Gaidh- 
ealach  tha  'n  aireamh  mar  so: — 

Caidhlig  is  Gun  diogr  ach 

,   AITE  Beurla.  Caidhlig. 

Earraghaidheal,  -  ■  34.428  3,313 

lonarnis,     -  -  -  43,281  11,722 

Ros,       -          .  -  -  39,292  12,171 

Cataibh,           -  -  -  14,083  469 

Peairt,    -          -  -  -  11,446  78 

Chitear  uaith  so  gur  suarach  an  aireamh  dhaoin' 
air  tir  mor  aig  nach  'eil  Beurla,  's  -gu  bheil 
Earraghaidheal  ni  's  toisiche  anns  an  rat  had  sin 
no  Ros  is  lonarnis.  Ach  cha  'n  'eil  e  furasd  a 
radh  gu  de  cho  fad  'sa  dh'  fhaodas  sinn  daoine 
ghabhail  gu  litireil  an  uair  a  chuireas  iad  sios  an 
ainmean  akson,  Gaid/i/ig  is  Beurla,  no  airson 
gun  diogach  Gaidhlig.  B'aithne  dhuinn  cailleach 
choir  a  bha  fuireach  leatha  fhein  ann  an  tigh  ri 
taobh  an  rathaid.  Bhiodh  luchd  siubhail  a' 
taghall  an  tighe  gus  iad  fhein  a  gharadh  no 
phiob  a  lasadh,  agus  is  iomadh  truaghan  a  bhiodh 
a'  gabhail  an  rathaid  air  dhroch  caramh,  air  an 
do  rinn  i  fuasgladh.  Thachair  i  oirnn  latha  agus 
b'e  cheud  fhacal  a  thuirti — O  Mhuire  's  a  Righ, 
is  ann  ormsa  thainig  a'  bheisd  an  raoir,  theap 
nach  fhaighinn  air  falbh  e.  Co  thainig  oirbh  ? 
Ma  ta  cha  'n  'eil  fhios  agam  ach  bha  coltas 
Eirionnaich  air  ;  cha  robh  seorsa  bho  na  sparran 
nach  d'  iarr  e,  ach  mar  sheall  an  t-agh  ormsa,  tha 
beagan  agam  fhathast  de  'n  Bheurl  a  dh'  ionn- 
saich  mi  air  Loudie  'nuair  a  bhithinn  a'  dol  gu 
foghar,  's  cha  luaithe  chuir  mi  ris  smaladh  dhi 
na  thug  e  chasan  as.  Gu  de  thuirt  sibh  ris,  arsa 
sinne.  Ma  ta,  thubhairt — Away,  a'  dhearg  choin, 
's  mur  bhi  a'  Bheurla  dh'  fhaodadh  e  mo  mhort. 
Is  d6cha  gu  bheil  feadhainn  ag  radh  anns  na 
paipearan-airearah  gu  bheil  Gaidhlig  is  Beurl' 
aca,  aig  nach  'eil  de  Bheurla  na  bheireadh  a 
cuideachd  iad,  ach  tha  sinn  a'creidsinn  gu  bheil 
gu  leoif  aig  a  bheil  deagh  phrapadh  Beurla  nach 


leig  sin  orra,  'sa  tha  'g  an  cur  fhein  sios  mar 
dhaoin'  aig  nach 'eil  diog  ach  Gaidhlig.:  Cha 
toigh  leis  an  fhiorGhaidheal  a  Bheurl'  aide^chadh, 
mur  'eil  i  aige  neo-ar-thaing.  ., 

'.  Tha  moran  Gaidhlig  anns  na  bailtean  mora. 


Caidhligr  is 
Beurla. 


Gun  diog  acit' 
Caidhligr. 


BAILE. 

Duneideann,    -     -     -  4,536  68 

Glaschu,      -     -     -     -        23,191  85 

Grianaig,     -     -     -     -  2,494  24 

Chitear  uaith  so  gu  bheil  uiread  dhaoin'  a 
bhruidhneas  Gaidhlig  anns  na  tri  bailtean  so,  'sa 
th'  ann  an  Leodhas,  's  an  Eilein  Sgiathanach  's 
ann  am  Muile  ged  a  bhiodh  iad  air  an  cur 
comhla.  Ach  ged  tha  Gaidheil  a'  bhaile  mhoir 
gaolach  gu  leoir  air  dol  far  am  bi  Ghaidhlig  air 
oidhche  seachdainn,  cha  'n  urrainn  sinn  a  radh 
gu  bheil  iad  cho  gaolach  air  a  heisdeachd  air 
an  t-sabaid.  Co  dhiu,  'se  sin  a  thatar  ag  radh 
ruinn. 


MUINGHINN  ANN  AN  DIA. 


O  anaim  bhochd,  'tha  saruicht,' 

Gabh  greim  air  Dia  gu  teann  : 
Do  dhebir  tha  air  an  aireamh  ; 

Dia  togaidh  suas  do  cheann  : 
Troimh  dhoinnion  doirbh,  is  anradh 

Bheir  Esan  thu  gu  slkn  ; 
Bheir  tonnan  's  gaoith'  thu  sabhailt, 

Gu  soillse  geal  an  la. 

Suas  thu  !  Le  muinghinn  Ikidir 

Leig  dhiot  an  iomaguin  throm  ; 
An  campar-inntinn  liailleil 

A  dh'  fhag  thu  ledinte,  crom  : 
Ged  nach  'eil  thusa'  riaghladh 

Gach  cuis  's  an  domhan  mhbr  ; 
Aig  ceann  na  rioghachd  tha'n  Tighearna,: 

Ni  Esan  mar  is  coir. 

An  riaghladh  fag  'n  a  Laimh-san, 

Liuthair  do  chor  d'  a  iiil  ; 
Bheir  e  gu  aite-taimh  thu, 

Is  bheir  thu  Dha-san  cliu  ; 
Aidichidh  tu  le  ioghnadh 

Gu  bheil  a  dhoigh-san  ceart ; 
'S  gur  beannaichte  na  daoine 

D  'an  dbchas  Dia  nam  feart. 

O  Thighearn,  air  ar  leanntachd 

Cuir  Thusa  ceann  is  crioch  \ 
Ar  lamhan  neartaich, — 's  fann  iad  ; — 

D'  ar  gluinean  lag  thoir  clith  : 
Cum  sinn  fo  'd  curam  dileas 

An  cian  a  bhios  sinn  beb, 
'S  air  slighe  glan  na  firinn, 

.Stiuir  sinn  gu  rioghachd  na  glbir. 

Eadar  le  K.AV.G.   0  Phol  Gerard^ 


Air.  7. 


1908. 


BAS   CHRIOSD. 


Ta  Dia  a'  fnoladh  a  ghraidh  fein  duimie,  do 
bhrigk  an  uair  a  bha  st?in  fat  hast  'nar  peacakh 
gu'n  d'  fhuiling  Criosd  bas  air  ar  son. — Romh. 
V,  8 

Anns  na  rannan  so  tha  Pol  a'  cur  an  cuimhne 
nan  Romanach  gu  bheil  e  moran  ni's  coltaiche 
gu  nochdadh  Dia  dhaibh  caoimhneas  air  dhaibh 
a  bhi  reidh  ris,  seach  gu'n  d'  fhiosraich  E  iad  gu 
grasmhor  an  uair  a  bha  iad  fhathast  'nan  coigrich 
agus  'nan  naimhdean  dha.  Tha  e  'cur  'nan 
cuimhne  nach  ruig  iad  a  leas  a  bhi  'cur  teagamh 
ann  an  gradh  Dhe,  oir  dhearbh  Dia  a  ghradh 
fhein  dhaibh  ann  an  doigh  nach  gabh  aicheadh. 
A7in  an  am  lomchuidh  bhasaich  Criosd  airso?i 
na?i  daoine  neo-dhiadhaidh.  Cha  b'  urrainn 
gradh  dol  ni  b'  fhaide.  O'n  latha  anns  an  d' 
thug  Criosd  E  fhein  suas  mar  iobairt  air  a' 
chrann  cheusaidh  tha  e  so-thuigseach  do'n 
t-saoghal  gur  gradh  Dia.  Tha  acair  aig  anmaibh 
dhaoin'  a  tha  daingean  is  cinnteach. 

I.  Air  reir  teagasg  Phoil,  is  e  bas  Chriosd  an 
dearbhadh  as  laidire  air  gradh  Dhe.  Nan 
abradh  duine  ri  Pol  gu  bheil  iomadh  comharadh 
eile  anns  an  t-saoghal  air  gradh  an  Athar,  cha 
chuireadh  Pol  'na  aghaidh,  ach  theireadh  e  gur 
h-e  bas  Chriosd  an  comharadh  sonruichte  a  bha 
toirt  misneach  is  dochas  is  aoibhneas  d'a  chridhe 
fhein.  Their  cuid  a  dhaoine  ruinn  gu  ruigeadh 
an  saoghal  air  an  fhirinn  gur  gradh  Dia,  ged 
nach  rachadh  am  Biobull  riamh  a  sgriobhadh. 
Their  cuid  eile  ruinn  nach  'eil  an  dearbhadh  a's 
lugha  air  an  fhirinn  sin  an  taobh  a  mach  de'n 
Bhiobull.  Co  dhiu  a  tha  ceart  ?  Cha  'n  'eil 
teagamh  nach  'eil  iomadh  ni  ann  an  obair  a' 
chruthachaidh  a  tha  toirt  misnich  dhuinn  an 
creidimh  altrum  gur  gradh  Dia,  ach  tha  iomadh 
ni  ann  mar  an  ceudna  a  tha  toirt  bhuainn  ar 
dochais.  Tha  obair  a'  chruthachaidh  a'  labhairt 
le  da  ghuth.  Tha  aon  ghuth  ag  radh — Is  gradh 
Dia.  Ach  tha  guth  eile  'g  radh — An  dara  acid, 
cha  'ti  "eil  maitheas  Dhe  ionilan,  air  neo  tha 
tomhas  air  a  chumhachd.  Tha  'n  fhianuis 
cheudna  'tigh'nn  o  bheatha  'n  duine.  Tha  e 
furasda  gu  leor  dhaibhsan  aig  a  bheil  crannchuir 
shocruch  is  dachaidhean  blatha,  nach  d'  fhuiling 
riamh  pian  no  acras  no  briste  cridhe,  creidsinn 
le'n  uile  chridhe  gur  gradh  Dia.  Ach  cha  'n  'eil 
e  idir  cho  furasda  do  thruaghain  's  do  dhiol- 
achan-deirce  an  t-saoghail  an  creidimh  ceudna 
altrum — daoine  a  tha  blasad  beagan  milse  is 
moran  searbhadais  'nan  cuairt  air  thalamh.     An 


aite   co-fhaireachduinn  a  bhi  aig  Nadur  ri  cor 
dhaoine,    tha   'n   cruthachadh    a'    gluasad    air 
aghaidh  caoin  shuarach  co  dhiu  a  tha  'n  cridh- 
eachan  ait  no  briste.     Dearrsaidh  a'  ghrian  cho 
aoibhneach   air  tigh  a'   bhroin  'sa  ni  i   air  an 
dachaidh  anns  a  bheil  gean.      An   uair  a  shoc- 
raicheas   sinn  ar-n    inntinnean  air    smaointean 
de'n  t-seorsa  sin,  cha  'n  urrainn  sinn  ar-n  aonta 
chur  ris  na  daoine  their  gu  ruigeadh  an   saoghal 
air  gradh  Dhe,  ged  nach  robh  am  Biobull  riamh 
air  a  sgriobhadh,  's    ged  nach  robh  Criosd  air 
fhoillseachadh  anns  an  fheoil.     Ann  an  obair  a' 
chruthachaidh  tha  guithean  a'  labhairt  air  gradh 
Dhe,  ach  cha  'n  'eil  na  guithean  sin  ach  fann ; 
tha  beagan  soluis  ri  fhaicinn,   ach  cha  'n  'eil  an 
solus  ach  beag.       Ach  ann  am  bas  Chriosd  tha 
sinn    a'   cluinntinn    guth    mar   thoirm    mhoran 
uisgeachan   's  tha  'n  solus  ag   eiridh  gu  airde 
raheadhoin-la.       As   eugmhais   bas   Chriosd  tha 
'n    fhianuis  a  leughas  sinn  ann  an  oibrichean 
Dhe  neochinnteach,  ach  an  uair  a  sheallas  sinn 
air  a'  chruthachadh  ann  an  solus  na  firinn  so, 
tha  na  neamhan  agus  an  talamh  a'  toirt  dhuinn 
na  sgeoil   gur  gradh   Dia.      Is  e  bas  a  mhic  an 
iuchair  a  dh'  fhosglas  saoibhrea.s  gradh  Dhe  air 
feadh  an  domhain.      An  ti  nach  do  chaomhain  a 
t?ihac,  cionnus   maille  ris-san  nach  toir  e  dhuinn 
na  h-uile  ?iithea?i.      Cha  'n  e   mhain  gur  gradh 
Dia,  ach  ghradhaich  e  peacaich  's  thug  e  mhac 
mar    eiric   air   an    son.       An    uair  a  gheibh   an 
smaoin  sin  greim  air  cridhe  duine,  cha  chuir  e 
teagamh  ni's  fhaide  ann  an  gradh  caomhal  an 
Athar. 

II.  Ciamar  a  tha  bas  Chriosd  'na  dhear- 
bhadh  air  gradh  Dhe ;  ciamar  a  tha  bas  aon 
neach  'na  dhearbhadh  air  gradh  neach  eile?' 
Faodar  a  radh  mu  na  martaraich  t;u'n  do  leag 
iad  sios  am  beatha  air  son  firinn  is  ceartais  mar 
rinn  Criosd,  ach  is  e  rud  eile  radh  gu  bheil  bas 
nam  martarach  a'  dearbhadh  gradh  Dhe  dhuiane.. 
Tha  e  dearbhadh  gradh  nan  daoine  sin  do'n 
fhirinn  's  an  dilseachd  do  Dhia,  ach  sin  uil'  e. 
Nam  biodh  duine  an  iomairt  a  bhi  air  a  bhath-  , 
adh  's  gu'n  cuireadh  caraid  a  bheatha  fhein  ana 
an  cunnart  'ga  shabhaladh,  bhiodh  sin  'na  cho- 
mharadh  cinnteach  air  gradh  a  charaid,  ach  cha 
bhiodh  e  'na  dhearbhadh  sam  bith  air  gradh 
Dhe.  Nan  d'  thuirt  Pol — Tha  Criosd  a'  moiadh 
a  ghraidh  feifi  duintie,  do  bhrigh  an  uair  a  bha 
sinn  fathast  'nar  peacaich  gu?i  d'  fhuiling  E  bas 
air  ar  son,  bhiodh  sin  furasda  gu  leor  a  thuig- 
sinn,  ach  ciamar  a  tha  bas  Chriosd  'na  dhearbh- 
adh   air    gradh    Dhe?       Cha   ghabh   a'  cheist 


26 


fuasgladh  ach  anns  an  doigh  anns  an  d'  fhuas- 
gail  P61  's  na  h-Abstoil  eil'  i.  Bha  Pol  a' 
smaointinn  air  Criosd  mar  am  Facal  Siorruidh  a 
bha  maille  ris  an  Athair  ma  'n  do  leagadh  bun- 
aitean  na  talmhainn,  ach  a  bha  air  fhoillseachadh 
anns  an  fheoil  anns  na  laithean  deireannach  a 
measg  a  bhraithrean.  Bha  e  smaointinn  air 
Criosd  mar  neach  a  bha  'na  leithid  de  dhaimh 
dhluth  ri  Dia  's  gu  faodte  radh  gu  robh  e  fhein 
's  an  t-Athair  'nan  aon.  A  chionn  gu  robh  an 
t-aonadh  so  eatorra,  theireadh  Pol  nach  do  rinn 
am  Mac  ni  sam  bith  leis  fhein,  ach  gu'n  do  rinn 
an  t-Athair  maille  ris  e.  Am  facal  a  labhair 
Criosd  air  thalamh,  tha  'n  t-Athair  a  labhairt  gu 
siorruidh  ;  an  ni  a  rinn  Criosd  air  thalamh,  tha'n 
t-Athair  a'  deanamh  gu  siorruidh,  oir  b'e  beatha 
Chriosd  dealbh  Dhe,  agus  b'e  briathran  agus 
gniomharan  Chriosd  earlais  air  doirahneachd  a' 
ghraidh  a  th'ann  an  cridhe  Dhe.  Annsan  bha 
lanachd  na  Diadhachd  a'  comhnuidh  air  chor 
gu  faodar  a  radh  mar  tha  Pol  ag  radh  uair  is 
uair  eile,  gur  h-e  'n  Diadhachd  fhein  a  dh' 
fhuiling  pian  is  bron  ann  an  iobairt  Chalbhari. 
Cha  do  leag  Dia  uallach  peacaidhean  a'  chinne 
daona  air  guaillean  coigrich,  ach  dK  fhuiling  E 
fhein,  'sa  chionn  gu'n  d'  fhuiling  tha  has  Chriosd 
'na  dhearbhadh  air  gradh  an  Athar. 


III. — Ciamar  a  tha  bas  Chriosd  a! foillseachadh 
gradh  Dhe  1  Nach  faodadh  Dia  a  ghradh  a 
dhearbhadh  ged  nach  fuilingeadh  Criosd  bas  ! 
A  bheil  ceangal  air  bith  eadar  an  da  ni  ?  Ann 
a  bhi  freagairt  na  ceiste,  thig  sinn  air  ar  n-ais  a 
dh'  ionnsuidh  na  smuain  a  bh'  ann  an  inntinn 
Phoil,  smuain  a  thachras  oirnn  air  gach  duilleig 
de  'n  Tiomnadh  Nuadh,  gu  bheil  ceangal  son- 
ruichte  eadar  bas  Chriosd  is  maitheanas  peacaidh. 
Thug  mi  dhuibh  air  tus,  arsa  Pol,  an  ni  a  fhuair 
mi  mar  an  ceudna,  gu  'n  d'  fhuair  Criosd  has 
airson  ar  peacanna  a  reir  nan  sgriobtur.  Ann 
am  beachd  Ph6il  bha  bas  Chriosd  a'  seasamh 
air  leth  o  bhas  nam  martarach,  's  a'  giulan 
bheannachdan  'na  lorg  nach  faigheadh  an 
saoghal  air  dhoigh  eile.  Thug  an  Slanuighear 
E  fhein  an  fhianuis  cheudna.  Aig  an  aon  am  a 
bu  sholuimte  'na  bheatha  thuirt  e  ris  na 
deisciobuil  gu  robh  fhuilsan  air  a  dortadh  airson 
maitheanas  peacaidh,  agus  air  eagal  gu  'n 
dichuimhnicheadh  lad  am  facal,  chuir  E  air  a 
chois  ordugh  a  bhiodh  'na  shamhladh  air  an 
fhirinn  so  gu  deireadh  an  t-saoghail.  Ged  nach 
h-urrainn  sinn  a  thuigsinn  ciamar  nach  tigeadh 
maitheanas  peacaidh  as  eugmhais  dortadh  fala 
feumaidh  sinn  gabhail  gu  h-iriosal  ris  na  tha  'n 
Sgriobtur  ag  radh  air  a'  chuis.  Gus  an  do 
shineadh  Esan  air  a'  chrann,  cha  b'  urrainn  e 
radh — Tha  'n  obair  criochnaichte.  B'  e  latha 
Chalbhari  latha  na  saorsa,  's  air  a  chrann  cheus- 
aidh  choisinn  Criosd  buaidh  shiorruidh  air  chor 
's   gu    bheil    naoimh    gun    aireamh   a'  seinn   le 


moladh — Dhasan  a  ghradhaich  sinn  's  a  nigh 
sinn  0  ar  peacaidhean  'na  fhuil  fhein  V  a  riftn 
righrean  is  sagairteati  dhinn  do  Dhia  ar  n- 
Athair,  dhasan  gu  robh  gloir  is  moladh  is  urram 
gu  saoghal  nan  saoghal. 


AN    SEANADH. 


Choinnich  Ard  Chuirt  na  h-Eaglais  am  bliadhna 
mar  a  b'  abhaist,  's  ged  nach  robh  bheag  de 
cheistean  cudthromach  air  beulaobh  an  tSean- 
aidh,  bha  an  cruinneachadh  anabarrach  gasda. 
Cha  chuimhne  leinn  gu  faca  sinn  riamh  coinn- 
eamhan  a  bu  chiataiche,  's  o  thoiseach  gu 
deireadh  cha  chualas  guth  mor  no  droch  fhacal. 

Bhatar  ag  ionndrainn  chairdean  a  thugadh  air 
falbh  o  'n  am  so  'n  uiridh,  's  am  measg  na 
feadhnach  air  an  do  rinn  an  Seanadh  iomradh 
le  taingealachd  airson  am  beatha  's  an  seirbhis, 
bha  an  t-Ollamh  Charteris,  An  t-Oliamh  BJarach 
is  Sir  Seumas  Caimbeul. 

Bha  h-uile  duine  toihchte  larla  Chinnaird 
fhaicinn  air  ais  mar  Theachdair  an  Righ,  's 
rinn  e  na  dleasdanasan  a  bha  'n  ceangal  r'a 
dhreuchd  gu  h-uasal  agus  gu  h-eireachdail.  Tha 
e  fhein  'na  dhuine  diadhaidh,  's  thug  e  seachad 
a'  chuid  mhor  d'a  bheatha  gu  bhi  cuideachadh 
aobhar  an  t-soisgeil.  Cha  'n  ann  a  h-uile  latha 
bhios  an  t-ait'  ard  so  anns  an  t-seanadh  air 
a  lionadh  le  duin'  a  tha  cho  eudmhor  ris  ann  an 
nithean  spioradail  's  ann  an  obair  na  h-eaglais. 

Tha  cuisean  a'  soirbheachadh  leis  an  Eaglais 
aig  an  tigh  agus  ann  an  duthchannan  cein.  Tha 
sith  an  taobh  a  stigh  d'a  ballachan  agus  suaimh- 
neas  'na  luchairtibh.  Tha  Dia  ag  aideachadh  a 
h-obair  anns  an  tir,  's  a'  dortadh  a  bheannachd 
an  lorg  a  saothrach.  Cha  bu  choir  so  a  bhi  na 
aobhar  boilich  dhi,  agus  idir  cha  bu  choir  e  bhi 
'na  lethsgeul  do  bhuill  na  h-eaglais  stad  anns  an 
t-slighe  no  fas  meagh  bhlath  's  an  obair  ris  an  do 
chuir  iad  an  lamh.  Ann  am  maitheas  Dhe  do'n 
Eaglais,  tha  gairm  iir  a  tigh'nn  'gar  ionnsuidh, 
ag  iarraidh  oirnn  an  tuilleadh  dichill  a  dheanamh 
ann  an  obair  an  Tighearna.  Bidh  soirbheachadh 
aig  an  Eaglais  anns  an  tomhas  's  a  bheil  i 
soisgeulach  agus  anns  an  tomhas  's  a  bheil  a 
buill  air  an  riaghladh  le  inntinn  Chriosd  's  air 
an  lionadh  le  'spiorad. 

Bha  latha  mor  aig  an  t-Seanadh  an  uair  a 
thainig  Aonadh  nan  Eaglaisean  Cleireach  air  am 
beulaobh.  Bha  fios  roimh  laimh  gu  robh 
Eaglais  na  h-Alba  deas  gu  coinneachadh  ri  each 
feuch  gu  de  a  ghabhadh  deanamh,  ach  cha  b 
fheairrd  aobhar  an  Aonaidh  gu'n  do  chuir  an 
eaglais  eile  an  deasbod  bhliadhnail  a  bhios  aice 
air  Di-steidheachadh  latha  no  dha  ni  bu  traithe, 
gus  cothrom  fhaotainn  a'  cheud  urchair  a  los- 


27 


gadh.  Ged  a  chuir  so  gle  nadurra  farran  air  an 
t-Seanadh,  rinn  iad  an  rud  a  bu  ghlice  's  a  bu 
Chriosdaile  ;  cha  do  fhreagair  iad  le  feirg  ach 
chuir  iad  litir  a  dh'  ionnsuidh  chaicli  ag  iarraidh 
orra  coinneachadh  riu  feuch  am  faighte  rathad 
sam  bith  air  na  h-eaglaisean  a  thathadh  ri  cheile 
seach  iad  a  bhi  'nan  naire  do'n  dutliaich  mar 
tha  iad.  Chuir  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte 
fios  air  ais  gu  robh  ise  toileach  del  gu  leithid 
sin  de  choinneamh.  Cha  ghabh  an  gnothuch 
dol  ni's  fhaid'  air  aghaidh  am  bliadhna  ach  is 
obair  latha  toiseachadh.  Bu  mhor  a'  bheann- 
achd  do  dh'  Albainn  'nan  tigeadh  na  h-eaglaisean 
gu  bhi  'nan  aon.  Ach  tha  'n  latha  a  tighinn  ; 
's  cha  bu  choir  do  mhuinntir  na  h-Eaglais 
Steidhichte  facal  a  radh  no  rud  a  dheanamh  a 
chumadh  an  latha  sin  air  ais.  Bhiodh  e  gu 
buannachd  do'n  duthaich  's  do  rioghachd  Dhe. 

Cha  do  rinneadh  dad  am  bliadhna  fhathast 
gu  ceangal  ur  fhaotainn  eadar  an  Eaglais  is 
Leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh.  Ach  cha  'n 
'eil  fath  cabhaig  ann,  's  cha  'n  'eil  dad  ri  chall  le 
gluasad  gu  h-aithiseach. 


SIOR   LATHAIREACHD    DHE. 


Agus  dh'  fhan  aire  an   Tighearn  ann  an  tigh 

Ohed-Edoim  a'  Ghitich  tri  miosan ;  agus  hheann- 

aich  an  Tighearn  Obed-Edoni  agus  a  thigh  uile. — 

2  Sam.  6,  II. 

Am  fardoch  Obed  Edoim 

Fhuair  aire  an  Tighearn  tamh, 
Am  feadh,  air  uchd  nan  sleibhte, 

A  chuireadh  iomadh  blar. 
'S  na  glinn  bha  bruaillean,  's  diridh, 

Bha  ar-a-mach  's  a  mhagh  ; 
Air  fardoch  Obed  Edoim 

Bha  siochaint  neamhaidh  'tamh. 

Le  gorta  anns  na  criochan, 

Le  comhstri  anns  a'  champ  ; 
A  chlann  bheag  fann  le  ciocras ; 

Is  aran  cha  robh  ann  ; 
Na  mathraichean  'g  an  leireadh, 

Ag  athchuinge  le  de6ir  : — 
An  teaghlach  Obed  Edoim 

Bha  sith  is  16n  gu  lebir. 

Air  machair  Obed  Edoim 

Namh  cha  do  leag  a  shall;, 
Mar  dhidein  teann  nan  treun-fhear 

Sheas  ciiiin  a  bhaideal  ard  ; 
Ciia  d'  thainig  cas  no  diginn, 

Ach  fios  na  slaint'  's  a  ghrais 
Gu  c6mhnaidh  Obed  Edoim 

'S  an  d'  fhuaradh  ait'  do  'n  aire. 


Is  dh'  aithriseadh  an  sgeul  ud 

Leo-san  a  bha  mu  'n  cuairt 
Tha  teaghlach  Obed  Edoim 

A  mealltainn  suaimhneas  buan  ; 
Tha  beannachadh  lehbbhah 

'G  an  c6mhdach,  beag  is  m6r; 
A  chionn 'n  an  ^ite-comhnaidh 

Tha  airce  Dhd  na  glbir. 

Tha  gineal  Obed  Edoim 

Ri  fhaotainn  anns  gach  linn  ; 
Fo  fhardoch  Obed  Edoim 

Tha  fasgadh  anns  gach  teinn  ; 
Tha  beannachdan  a'  Chiimhnaint 

A  ghnath  le  airce  Dhe 
Do  'n  duine  leis  an  rim  e 

Seach  maoin  an  t-saoghail  gu  \€\r. 

Buaireas  cha  ruig  an  sluagh  sin 

'Bha  leis  an  aire  fo  dhion ; 
Amhghar  cha  mhill  an  suaimhneas, 

Tuaileas  cha  bhris  an  sith  ; 
Tha  rath,  is  muirn,  is  solas, 

Tha  soills'  a  dh'  oidhche  's  la 
'S  an  teaghlach  sin,  an  cbmhnuidh 

'S  am  bheil  an  aire  a'  tamh. 

Air  cad.  le  K.  W.  G. 


BAISTEADH. 


Tha  Baisteadh  ni's  sinne  na'n  Creidimh  Criosd- 
uidh,  's  bha  seorsa  dheth  air  a  chleaehdadh  ann 
an  iomadh  duthaich  roimh  laithean  Eoin.  Ach 
is  e  ann  baisteadh  a  rinn  Eoin  air  an  t-sluagh  aig 
abhainn  lordain  a'  cheud  iomradh  a  th'  againn 
air  an  ordugh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh.  Ann 
an  lagh  Mhaois  bha  e  air  iarraidh  air  an  t-sluagh 
iad  fhein  a  ghlanadh  le  uisge  o  sheorsachan 
sonruichte  de  neo-ghloine,  's  cha  'n  'eil  teagamh 
nach  robh  an  riaghailt  sin  ann  an  inntinn  Eoin 
an  uair  a  ghairm  e  an  sluagh  gu  bhi  air  am 
baisteadh  ann  an  abhainn  lordain.  Ach  bha 
deifir  mor,  aig  a'  cheart  am,  eadar  baisteadh 
Eoin  agus  an  glanadh  a  bh'  air  orduchadh  le 
lagh  Mhaois.  Dh'  fhaodadh  duin'  e  fhein  a 
ghlanadh,  ach  anns  an  ordugh  ur  a  chuir  Eoin  air 
a  chois,  b'  e  lamh  fhein  a  bha  baisteadh  chaieh. 
Bha  baisteadh  Eoin  mar  an  eeudna  air  a  thoirt 
dhaibhsan  a  mhain  a  bh'  air  an  dusgadh  gu 
aithreachas.  Bha  seann  bhaisteadh  lagh  Mhaois 
a'  deanamh  an  duine  glan  o'n  taobh  a  muigh, 
ach  bha  baisteadh  iir  Eoin  a'  deanamh  an  duine 
glan  'san  taobh  a  stigh  ;  bha  e  'ga  chur  ann  an 
daimh  ur  do  rioghachd  Dhe,  's  bha  e  'na  shamh- 
ladh  's  na  sheul'  air  ath-nuadhachadh  spioraid. 
Ach  bha  baisteadh  Eoin  ag  ullachadh  na 
slighe  do  bhaisteadh  a  b'  fhearr.  Bha  fhios  aig 
Eoin  fhein  air  a  so  gle  mhaith,  oir  thubhairt  e  : — 


28 


Tha  mise  'gur  baisteadh  le  h-uisge  chum  aith- 
reachais :  ach  an  ti  a  thig  a'711  dheigh,  baistidh 
esan  sibh  lets  an  Spiorad  Naomh,  Ma  ta  j,  ii. 
Bha  cuid  de  na  bh'  air  am  baisteadh  le  Eoin  air 
am  baisteadh  a  rithist  leis  na  h-abstoil  an  deigh 
do'n  spiorad  naomh  a  bhi  air  a  thoirt  do'n 
eaglais.  Thachair  deisciobuil  araidh  air  Pol  ann 
an  Ephesus  air  an  do  chuir  e  a'  cheist — an  d' 
fhuair  sibh  an  Spiorad  Naomh  o  chreid  sibh  ? 
Thuirt  iadsan  nach  cual  iad  gu  robh 
Spiorad  Naomh  ann.  Dh'  fheoraich  Pol 
dhiu  an  robh  iad  air  am  baisteadh,  's  thuirt  iad 
gu  robh  iad  air  am  baisteadh  le  baisteadh 
Eoin.  Is  coltach  nach  robh  Pol  am  beachd 
gu'm  bu  leor  sin  oir  bhaisteadh  iad  as  tir  ann  an 
ainm  an  Tighearn  losa,  agus  air  do  Phol  a 
lamhan  a  chnr  orra,  thainig  an  Spiorad  Naomh 
orra.  Ged  a  tha  iomradh  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh — Eoin  3,  22  ;  4,  1-2 — gu  robh  deisciobuil 
Chriosd  a'  baisteadh  an  t-sluaigh  am  feadh  'sa 
bha  E  fhein  fhathast  'nam  measg,  cha  deach- 
aidh  Sacramaid  a'  Bhaistidh  a  chur  air  a  cois 
gus  an  d'  eirich  Criosd  o  na  marbhaibh.  Cha  d' 
fhuair  an  t-ordugh  so  riamh  a  leithid  a  dh'  aite 
ann  am  beatha  na  h-eaglais  Chriosduidh  mur  b'e 
gu  robh  e  air  orduchadh  le  ceann  na  h-Eaglais. 
Uime  sin  imichibh-sa,  agus  deanaibh  deisciobuil 
do  gach  uile  chinneach,  'gam  baisteadh  ann  an 
ainm  an  Athar,  agus  a  Mhic,  agus  an  Spioraid 
Naoimh — Matt.  28,  ig.  An  uair  a  bha  gealladh 
an  Spioraid  air  a  choimhlionadh  do  na  h-abstoil, 
's  a  bha  iad  air  an  sgeadachadh  le  cumhachd  o 
na  h-ardaibh  thoisich  iad  air  umhlachd  a  thoirt 
do  dh'  aithn'  an  Tighearna,  oir  cho  trath  ris  a' 
Chaingis  an  deigh  na  h-aiseiridh  labhair  Peadar 
ris  an  t-sluagh — Deanaibh  aithreachas,  agus  bith- 
ibh  air  bhur  baisteadh  gach  aon  agaibh  ann  an 
ainm  losa  Criosd,  chum  7naitheanas  peacaidh, 
agus  gheibh  sibh  tiodhlac  an  Spioraid  Naoimh. 
Tha  e  air  reir  inntinn  Chriosd  is  teagasg  an 
Tiomnaidh  Nuaidh  gu'm  biodh  iadsan  uile  th'air  an 
gabbail  a  steach  do  rioghachd  Dhe  air  am  baist- 
eadh. 

Bha  Sacramaid  a'  Bhaistidh  air  a  frithealadh 
leis  na  h-abstoil  dhaibhsan  a  bha  'n  da  chuid 
aithreachail  agus  creidmheach.  Ann  an  aite  no 
dha  de'n  fhirinn  tha  'n  cudthrom  air  a  leagadh 
air  aithreachas,  ach  ann  an  aitean  eile  tha  e  air 
a  leagadh  air  creidimh.  Ach  ann  an  doigh 
fharsuing  tha  'n  dara  rud  a  gabhail  a  stigh  an 
ruid  eile.  Cha  duisg  aithreachas  ann  an  cridhe 
duine  gus  a  bheil  seorsa  creidimh  aig  ann  an 
Criosd,  's  as  eugmhais  aithreachais  tha  creidimh 
ann  am  Fear-saoraidh  eucomasach. 

Anns  an  latha  diugh  cha  'n  'eil  ach  gle  bheag 
de  dhaoin'  a  thainig  gu  aois  air  am  baisteadh, 
ann  an  coiraeas  ris  na  tha  'n  eaglais  a'  baisteadh 
de  leanaban.  Cha  b' ann  mar  sinn  a  bha  cuisean 
ann  an  laithean  nan  abstol.  An  uair  a  chaidh 
iadsan  a  mach  le   soisgeul  na  rioghachd,  is  ann 


ri  daoine  thainig  gu  aois  a  bha  iad  a'  labhairt — 
daoin'  a  bhuineadh  do  chreidimh  eile  seach  an 
creidimh  Criosduidh — agus  bha  e  gle  cheart 
dhaibh  gun  iad  sin  a  bhaisteadh  gus  an  aidich- 
eadh  iad  an  creidimh  anns  an  Tighearn  losa. 
Ach  feumaidh  gu'n  d'  eirich  ceistean  mu  bhaist- 
eadh naoidheanan  gu  maith  trath.  Feumaidh 
gu'n  abradh  an  parantan  a  bh'  air  am  baisteadh 
—  Ciamar  a  tha  mo  chlafin  a  seasamh  a  thaobh 
na  rioghachd  2  Ged  nach  'eil  iomradh  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  air  aon  leanabh  a  chaidh  a 
bhaisteadh,  tha  aobhar  againn  a  bhi  creidsinn 
gu'n  do  thoisich  an  cleachdadh  gu  maith  trath, 
's  gu  bheil  e  da  rireadh  air  reir  inntinn  Spiorad 
na  Firinn  a  thug  Criosd  do'n  Eaglais  gu  bhi  'ga 
seoladh,  gu'n  gabhadh  i  a  steach  na  leanaban  do 
chomunn  nan  creidmheach.  Thuirt  an  Slan- 
uighear  fhein — Fiiilingibh  do  na  leanaban  teachd 
'am  iomisuidh,  's  na  bacaibh  iad.  oir  is  a?in  d'  an 
leithidibh  a  ta  rioghachd  Dhe,  agus  bu  choir  do'n 
Eaglais  a'  cheart  spiorad  a  nochdadh  do  'n 
chloinn. 

Tha  'n  fhirinn  a  teagasg  gu  bheil  beannachdan 
mora  a'  leantainn  a'  Bhaistidh  dhaibhsan  aig  a 
bheil  cridheachan  aithreachail  agus  creidmheach. 
Tha  'm  baisteadh  'na  shamladh  agus  'na  sheula 
air  beannachdan  a'  Chumhnanta  Nuaidh  ; — 

Ath-ghineamhain  leis  an  Spiorad  Naomh, 

Glanadh  o  pheacadh, 

Aite  fhaotainn  anns  an  Eaglais, 

Aonadh  ri  Criosd, 

Tiodhlac  an  Spiorad, 

Dochas  na  Gloire. 


Is  e  an  duals  a  tha  'n  duine  trocaireach  a' 
faotainn,  gu  bheil  e  fas  ni's  coltaiche  ri  Dia. 
Cha  ruig  e  leas  duals  iarraidh,  ach  an  duais  a 
tha  'na  chridhe.  A  chionn  gu  bheil  e  'deanamh 
trocair  an  diugh,  bidh  e  ni's  usa  dha  trocair  a 
dheanamh  am  maireach.  Is  e  am  peanas  a  thig 
air  an  duine  chruaidh-chridheach,  gu  bheil  e  fas 
ni's  eu-coltaiche  ri  Dia.  Tha  e  'call  iomhaigh 
Dhe,  's  gach  latha  d'a  bheatha  'dol  ni's  fhaide 
stigh  anns  an  dorchadas  iomallach,  gus  mu 
dheireadh  an  ruig  e  aite  fhein — an  t-aite  far  nach 
'eil  trocair.  Tha  ni  ann  is  uamhasaiche  na  ceartas 
Dhe  agus  is  e  sin  cruas  is  neo-chaomhalachd  ar 
cridheachan  fhein. 

Tha  suilean  Dhe  mar  gu'm  biodh  mile  coinn- 
eal.  Is  leir  dhasan  nithean  diomhair  a  chridhe. 
Faodaidh  sinn  ruinntean  ar  cridhe  fholach  air 
daoine  ach  cha  ghabh  iad  folach  airsan.  Tha 
shuilean  anns  gach  aite  fo'n  ghrein.  Is  leir  dha 
anns  an  dorchadas.  Is  ionann  an  dorchadas 
agus  an  solus  dhasan.  Cha  ruig  Esan  a  leas 
feitheamh  ri  latha  bhreitheanais. 


1 


i 


Air.  8. 


1908. 


DUINE    SANNTACH. 


Chaidh  e  macli  'na  lobhar,  geal  mar  shneachda. — 
2  Rich  v.,  2J. 

Thugaibh  an  aire  agus  gleidhibh    sihh   fhein    o 
shantii. — Lucas  xit.,  ij. 

An  uair  a  leughas  sinn  eachdraidh  Ghehasi  ann 
an  leabhar  nan  Righrean  thig  am  facal  gu'r  n- 
inntinn — dean  an  t-ok  is  fan  r'a  dheireadh. 

Bha  Gehasi  'na  sheirbhiseach  aig  Elisha,  aon 
de  na  faidhean  a  b'ainmeile  ann  an  Israel.  Air 
do  Naaman  a  bhi  air  a  leigheas  o'n  luibhre, 
thairg  e  suim  mhor  airgid  do'n  fhaidh  mar  tha- 
bhartas-buidheachais,  ach  cha  chuireadh  an 
duine  le  Dia  lamh  air.  Cha  b'  ann  air  ghaol 
duaise  a  rinn  e  na  rinn  e,  ach  a  chionn  gu  robh 
e  air  a  lionadh  le  cumhachd  is  spiorad  Dhe. 
Cha  robh  duine  anns  an  robh  spioraid  an  fhior 
fhaidh  riamh  sanntach,  agus  cho  fad  'sa  bha 
biadh  is  aodach  aig  Elisha  cha  robh  'n  corr  a 
dhith  air.  Ach  cha  b'e  sin  do  Ghehasi.  Chual 
e  an  seanchas  a  bha  eadar  a  mhaighstir  is 
Naaman  agus  thuirt  e  ris  fhein — Chaomhain  7710 
mhaighstir  Naa77ian  a7i  Sirianach  io  ach  7-uithidh 
i7iise  'na  dheigh  agus  gabhaidh  mi  7ii-eigin  uaith. 
Is  ann  mar  sin  a  bha;  cho  luath  's  a  thionndiadh 
Naaman  aghaidh  gu  dhachaidh  fhein,  rmth 
Gehasi  as  deigh  a'  charbaid,  dh  'innis  e  naigh- 
eachd  bhreugach  do  cheannard  righ  Shiria,  's 
fhuair  e  bhuaith  da  thalann  airgid  agus  da  chul- 
aidh  aodaich.  Cha  b'urrainn  athair  nam  breug 
fhein  sgeimh  a  bu  bhoidhche  'chur  air  a'  bhreig 
na  chuir  Gehasi.  Bha  leithid  a  dh'  aogasg  na 
firinn  air  an  naigheachd  's  gu  mealiadh  i  na  h- 
ainglean.  Thuirt  e  gu'n  d'  thainig  da  fhaidh 
bhochd  a  dh'  ionnsuidh  tigh  a  mhaighstir,  nach 
robh  dad  aig  Elisha  a  bheireadh  e  dhaibh,  's  'na 
eiginn  gu'n  do  chuir  e  esan  a  dh'  iarraidh  air 
Naaman  talann  airgid  agus  da  chulaidh  aodaich. 
Fhuair  Gehasi  na  bha  dhilh  air,  ach  an  aite 
cobhair  a  dheanamh  air  macaibh  nam  faidh, 
thaisg  e  duais  na  heucorach  'na  thigh  fhein. 
'Na  dheigh  sin  chaidh  e  agus  sheas  e  gu  dalma, 
baithiseach  an  lathair  a  mhaighstir  agus  air 
dhasan  fheoraich  dheth  c'aite  'n  robh  e,  thuirt  a' 
ghnuis  gun  naire  nach  robh  e  taobh  air  bith. 
Ach  bha  fhios  aig  an  duine  le  Dia  gu  de  a  rinn 
Gehasi  agus  thuirt  e  ris  gu'n  tuiteadh  breitheanas 
uamhasach  air  fhein  agus  air  a  shliochd  airson  a 
pheacaidh.  Tha  an  naigheachd  eagallach  a' 
criochnachadh  leis  an  fhacal : — Chaidh  e  much 
as  fhianuis,  'na  lobhar,  geal  mar  shneachda. 


Tha  facal  an  Tighearn  a'  cur  maith  is  uilc  mu 
choinneamh  ar  sul.  Tha  e  g'ar  taladh  gu 
naomhachd  is  beatha  ghlan  le  bhi  toirt  cunntais 
air  daoine  diadhaidh  a  fhuair  sith  is  aoibhneas 
le  bhi  gluasad  ann  an  aitheantan  Dhe  is  ann  an 
slighe  na  fireantachd.  Ach  tha  e  mar  an  ceudna 
a'  toirt  rabhaidh  dhuinn  an  t-olc  a  sheachnadh 
le  bhi  toirt  cunntais  air  droch  dhaoine,  Gehasi, 
Achan,  Judas,  Si77i07i  Alagus,  A7tanias,  Saphira, 
daoine  breugach,  sanntach  a  thainig  gu  droch 
dheireadh. 

Faodaidh  ao7ipheacadh  beatha  duine  ■mhilleadh. 
Feumaidh  gu  robh  maith  air  chor-eigin  ann  an 
Gehasi  ma'n  do  thagh  Elisha  e  gu  bhi  'na 
sheirbhiseach,  direach  mar  a  dh'  fheumadh  gu 
robh  maith  air  chor-eigin  ann  an  ludas  an  uair  a 
thagh  Criosd  e  gu  bhi  'na  chompanach  ann  an 
laithean  'fheola.  Ach  ged  a  bha  beagan  annt'  a 
bhuineadh  do  rioghachd  an  t-soluis,  bha  moran 
annt'  a  bhuineadh  do'n  t-saoghal.  Bhlais  iad, 
ann  an  tomhas,  deadh  fhacal  De,  agus  cumh- 
achdan  an  t-saoghail  ri  teachd  ach  dh'  fhas 
freumh  seirbhe  annta  leis  an  robh  iad  air  an 
salachadh  agus  a  thug  mu  dheireadh  a  thaoibh 
gu  buileach  iad.  B'e  am  freumh  seirbhe  sin, 
satmt.  B'e  sin  a'  chreag  air  an  do  rinn  Gehasi 
long-bhriste.  Rinn  sannt  a  chridhe  fhein  breug- 
aire  is  cealgair  is  mealitair  dheth. 

Tha  77ioran  dhaoi7ic  7iach  saoil  7ii's  lugha  dhiu 
fhei7i  710  d'a7i  coimhears7iaich  a  chionn  g7i  blieil 
iad  san7itach.  Na  faiceadh  iad  duin'  air  an 
daoraich  no  nan  cluinneadh  iad  e  ri  mionnan, 
chuireadh  sin  crith  air  am  feoil  's  cha  bhiodh 
moran  meas  ac'  air.  Theireadh  iad  gu  robh  e 
fad  o  rioghachd  Dhe.  Ach  tha  seorsa  dhaoin' 
ann  a  tha  cho  fad  o'n  rioghachd  ri  luchd  nam 
mionn  's  ris  na  drongairean  agus  is  iad  sin — na 
daoi7ie  san7itach.  Cha  toigh  leis  an  t-saoghal  so 
a  chluinntinn  ach  is  e  'n  fhirinn  e.  Tha  Pol  ag 
radh  gu  bheil  sannt  co  ionnan  ri  iodhal  aoraidh, 
's  tha  e  labhairt  uime  anns  an  aon  doi^h  's  a 
bheil  e  labhairt  mu  neo-ghloine,  mu  anacainnt, 
mu  fhoreigin,  's  mu  mhisg.  Nach  'eil  fhios 
agaibh,  ars'  esan,  ris  na  Corintianaich  nach 
sealbhaich  luchd  deanamh  na  h-eucorach  riogh- 
achd Dhe,  agus  nam  measg  sin  tha  e  'g  aireamh 
dhaoine  sanntach  i  Cor.  vi.,  10.  Tha  Peadar 
ag  radh  gur  h-e  iadsan  aig  a  bheil  an  cridhe  air 
a  chleachdadh  ri  gniomharaibh  sanntach,  clann 
nam  mallachd.  Agus  thuirt  Esan  a's  niotha 
ughdaras  no  eadhoin  Peadar  is  Pol ;  thugaibh 
an  aire  agus  gleibhibh  sibh  fhein  o  shan7it.  Thatar 
am  bitheantas  a'  sealltuinn  air  sannt  mar  nacli 


30 


biodh  ann  ach  failing  bheag  a  dli'  fhaodas  a  bhi 
fuaighte  ri  iomadh  deagh  diiuine.  Is  aithne 
dhuinn  seiseinean  a  chum  daoin'  air  an  ais  o 
bhord  comanachaidh  airson  daoraich,  ach  cha 
chuala  sinn  riamh  iomradh  air  seisein  a  chum 
duin'  air  ais  o  bhord  comanachaidh  airson  sannt. 
Ach  cha  b'e  sin  inntinn  Ceann  na  h-eaglais.  A 
reir  teagasg  Chriosd  cha  'n  'eil  namhaid  aig 
rioghachd  Dhe  anns  an  t-saoghal  cho  mor  ri 
sannt  Tha  e  mar  gu'm  biodh  droch  chogal  a 
thachdas  siol  na  rioghachd.  Cha  'n  'e  failing 
bheag  a  th'  ann  ach  peacadh  mor,  agus  mathair 
iomadh  peacaidh. 

Tha  ehuid  as  inotha  de  dli  olc  an  t-saoghail 
ag  eiridh  o  skannt.  Tha  sannt  'na  mhathair 
aobhair  air  cogadh  is  foirneart  is  farmad  is  geur- 
leanmhuinn.  Mur  biodh  rioghachdan  sanntach, 
dh'  fhaodadh  iad  an  claidhean  a  bhualadh  gu 
coltairean  agus  an  sleaghan  gu  corranaibh-sgath- 
aidh.  Mur  biodh  daoine  sanntach  dh'  fhaodadh 
an  luchd  lagha  an  dorsan  a  dhunadh.  Far  a 
bheil  sannt  bidh  farmad  is  naimhdeas  is 
iorghuill.  Is  saoghal  do  aingidheachd,  sannt ; 
tobar  salach  as  a  bheil  iomadh  freumh  seirbhe  a' 
fas.  Cha  'n  'eil  sith  aig  an  duine  shanntach  ri 
cho-chreutairean  no  ri  Dia.  Cha  'n  'eil  sith  aige 
ris  fhein.  An  aite  bhi  sealltuinn  air  a  choimh- 
earsnaich  mar  bhraithrean  's  mar  chairdean,  tha 
e  sealltuinn  orra  mar  naimhdean,  mar  dhaoine 
aig  a  bheil  ni-eigin  a  tha  e  miannachadh 
fhaotainn  dha  fhein.  An  uair  a  tha  sinn  a' 
farmadachadh  cuid  duin'  eile,  a  bhearteas,  no 
dhachaidb,  no  chliu,  no  shonas  tha  sinn  a'  call 
ar  sonas  fhein  gun  a  shonas-san  fhaotainn.  Tha 
sinn  a'  call  ar  sith  inntinn  agus  as  eugmhais  gu 
bheil  inntinn  duine  toilichte,  cha  'n  'eil  ann  ach 
an  diol  deirce  ged  bhiodh  a  sporan  Ian  oir.  Is 
aithne  dhonih,  arsa  Pol,  bhi  iosal  agtis  is  aithne 
dhomh  mar  an  ceudna  pailteas  a  fnheaituinn, 
agus  dh'  fhoghluim  mi,  ge  b'e  staid  a?n  bheil  mi 
bhi  toilichte.  ladsan  a  dh'  fhoghluim  sin,  f  huair 
iad,  ann  an  tomhas,  buaidh  air  an  t-saoghal. 
Gluaisidh  iad  mar  righrean  am  measg  cuideachd 
lionmhor  nan  daoine  sanntach. 

Tha  peacanna  inntin7i  ni  s  cunnartaiche  da'r 
beatha  spioradail  no  pecaima  aiirp.  Gabhaidh 
iad  folach  mar  nach  gabh  an  seors'  eile.  Cha  'n 
'eil  iad  cho  duaichnidh  no  cho  graineil  ann  an 
sealladh  an  t-saoghail,  ged  tha  iad  a  cheart  cho 
duaichnidh  ann  an  sealladh  Dhe.  Cha  'n 
urrainn  duine  bhi  'na  mhisgeir  no  'na  mheirleach 
no  'na  bhreugaire  agus  a  chliu  a  ghleidheadh  am 
measg  dhaoine.  Ach  faodaidh  e  bhi  cho  sannt- 
ach ri  Gehasi  's  cha  chuir  an  saoghal  a  chorrag 
air.  Faodaidh  e  bhi  feineil,  cruaidh-chridheach, 
gionach  agus  fhathast  bhi  air  a  mheas  mar 
dhuine  stuama,  prionnspalach.  Ach  an  lathair 
an  Ti  d'an  leir  na  h-uile  tha  cridhe  'n  duine  sin 
ann  an  droch  staid,  's  mur  tig  atharrachadh  air, 


cha  'n  fhas  siol  na  rioghachd  ann  gu  brath.  Tha 
gradh  do  'n  chridhe  mar  tha  ghrian  do'n  t- 
saoghal.  Tha  e  toirt  cinneis  air  gach  beus  is 
subhailc  a's  maisiche  dh'  fhasas  ann  am  beatha 
'n  duine.  Ach  tha  sannt  mar  ghaoth  ghreann- 
ach,  reota  a'  gheamhraidh.  Bheir  e  'm  bas  'na 
lorg.  Cha  'n  'eil  sinn  a'  soirbheachadh  anns  a' 
bheatha  spioradail  mur  'eil  ar  cridheachan  a' 
fas  ni's  caomhaile,  ni's  farsuinge,  ni's  cairdeile  's 
ni's  truacanta  r'ar  co-chreutairean.  Ach  an  aite 
bhi  fas  farsuing  tha  cridhe  'n  duine  shanntaich 
a'  fas  beag.  Aig  latha  bhreitheanais  gheibh 
sinn  duais  no  diteadh  a  reir  an  seorsa  cridhe  th' 
againn.  Cha  'n  eirich  gu  h-olc  dhasan  aig  a' 
bheil  cridhe  mor  farsuing,  Ian  graidh  is  caomh- 
alachd.  Ach  dhasan  aig  a'  bheil  cridhe  fuar, 
farraadach,  sanntach,  toimhsear  leis  an  tomhas  a 
thug  e  seachad. 

Thuirt  Solamh  gu  bheil  ceithir  nithean  nach 
sasuichear  's  nach  abair  is  leor  e — an  uaigh, 
agus  a'  bhru  neo-thorrach,  an  talamh  nach 
sasuichear  le  h-uisge,  agus  an  teine.  Dh'fhaod- 
adh  e  a  radh  mar  an  ceudna — aji  cridhe  sanntach. 
Cha'n  'eil  cainnt  aig  an  duine  ghionach  ach 
Their  dhomh,  thoir  dhomh ;  an  iuilleadh,  an 
tuilleadh.  Is  beag  aige  cor  dhaoin'  eile.  Tha 
chridhe  cho  cruaidh  ri  cloich.  Bheir  e  an  cuid 
o  na  banntraichean  's  na  dilleachdain  los  a 
shannt  a  shasachadh.  Ma  bha  e  aon  uair  'na 
dhuine  ceart  coguiseach,  cha  'n  fhada  gus  an 
cuir  sannt  a  choguis  far  a'  chruin.  Tha  e  cho 
furasda  do  Dhia  's  do  Bhelial  coiseachd  le  cheile 
's  a  tha  e  do  cheartas  's  do  shannt. 

Tha  sannt  calg  dhireach  an  aghaidh  spiorad  an 
t-soisgeil.  Is  e  namhaid  cho  mor  'sa  thachair  air 
Criosd  'na  obair  air  thalamh.  Thuirt  E  nach 
robh  daoin'  ag  amas  air  rioghachd  Dhe  do 
bhrigh  gu  robh  'n  cridheachan  Ian  do  spiorad 
feineil  a  bha  'g  eiridh  o  shannt.  Bha  na  Pharas- 
aich  an  duil,  's  tha  chuid  mhor  de'n  t-saoghal  an 
diugh  fhathast  de'n  cheart  bheachd,  nach  fhiach 
duine  dad  mur  'eil  rud  aige.  Ach  theagaisg  an 
Slanuighear  atharrachadh  beachd — cha'n  ann  am 
mor  phailteas  nan  nithe  ta  e  sealbhachadh  tha 
beatha  'n  duine.  Lucas  xii.,  15.  Ann  an  cos- 
mhalachd  an  duine  shaoibhir  a  dh'  fhas  reamhar 
air  thalamh  tha  E  teagasg  cho  beag  's  cho 
leibideach  'sa  tha  beairteas  an  t-saoghail  so  ann 
an  solus  na  siorruidheachd.  Tha  'm  peacadh 
daonnan  mealltach  agus  gu  sonruichte  sannt. 
Chi  a  choimhearsnaich  gu  bheil  duine  sanntach 
fada  ma  faic  e  fhein  e.  Tha  e  mar  a'  chaith- 
eamh  :  an  ni  a  tha  follaiseach  do  shuilean 
dhaoin'  eile  tha  e  ann  an  ain-fhios  do'n  duine 
thinn.  Their  esan  gu  bheil  e  ni's  fhearr,  ach 
tha  fhios  aca  san  nach  fhada  gus  an  tig  a'  chrioch. 
Tha  'n  duine  sanntach  stuama  stolda  gu  leor  'na 
dhol  a  mach,  ach  tha  spiorad  air  a  ghiulan  a 
mharbhas  beatha  anma,  azus  ciod  an  tairbhe  do 


31 


dhuin'  an  saoghal  uile  chosnadh  agus  a?iam  fcin  a 
chall. 

Tha  'n  duine  sanntach  tinn  le  droch  droch 
ghalair — luibhie  spioradail.  Tha  chridhe  mar 
bha  craicionn  Ghehasi.  Rannsaich  mi.,  O  Z)he, 
ag7is  tiiig  mo  s?nuaintean,  agus  ainhairc  am  bheil 
slighe  ok  at?-  bith  annam,  agus  treoraich  mi  aims 
an  t-slighe  shiomiidh. 


TOMHSEACHAIN. 


Dean  stad  beag,  a  leughadair,  agus  tomhais  so  : 
Chiinnaic  fear  gun  sui/ean,  iihhlan  air  craoibh 
Cha  d'  iJiug  e  iibhlan  leis,  's  cha  d'  fhag  e  ubhlan 
oirre. 

Cha  ruig  thu  leas  gaire  dheanamh,  's  cha  mho 
ruigeas  tu  leas  a  radh  riut  fhein  nach  'eil  an  corr 
agam  r'a  dheanamh  'nuair  tha  mi  toirt  lamh  air 
seann  fhaoineis.  Faoineas !  an  d'  thubhairt 
thu  ?  Le  d'  chead,  tha  faoineas  is  faoineas  ann.  • 
Tha  thu  fhein,  gun  teagamh,  'na  d'  dhuine 
ciallach  grunndail,  mar  is  cubhaidh  do  fhear 
tighe  's  do  cheann  teaghlaich  a  bhith,  ach  na 
robh  fhios  aig  do  mhnaoi  a  tha  cho  measail  ort, 
's  a  tha  cho  cinnteach  nach  'eil  fear  eile  'sa 
bhaile  cho  glic  pongail  riutsa,  air  a  h-uile  faoin- 
eas a  ruith  ann  'ad  inntinn  o  dh'  eirich  thu  'sa 
mhaduinn  an  diugh  gus  an  do  shuidh  thu  anns 
a'  chathair  aig  taobh  an  teine  anns  a'  bheil  thu 
an  drasd  'na  d'  shuidhe,  tha  mi  gle  chinnteach 
gu'n  cuireadh  e  ioghnadh  gu  leor  oirre,  's  gu'n 
abradh  i  rithe  fhein,  ged  nach  abradh  i  riutsa, 
nach  'eil  annad  ach  an  gaotharan.  Sin  agad 
sin  !  Tha  mi  'n  amharus  cuideachd  gu'n  do 
rinn  thu  rud  no  dha  air  an  t-seachduinn  so  a  b' 
amadaiche  no  ged  a  chuireadh  tu  seachad 
feasgar  a'  cur  thomhseachan  air  a'  chloinn.  Ged 
nach  ruig  ceann  Dhomhuill  bhig  ach  bann  na 
briogais  agad,  tha  mi  meallta  no  tha  tomh- 
seachan  aige  nach  h-urrainn  thusa  thomhas. 
Bheireadh  e  toilinntinn  do  Dhomhull  na  'n  leig- 
eadh  tu  leis  a  chur  ort,  agus  bhiodh  an  uiread 
so  de  bhuannachd  ann  dhuit  fhein — gu'n  tuig- 
eadh  tu  nach  'eil  thu  idir  cho  geur  's  cho 
tapaidh  'sa  shaoil  thu. 

Thuirt  thu  nach  robh  'n  corr  agam  r'a  dhean- 
amh 'nuair  tha  mi  toirt  tarruing  air  an  "  fhear 
gun  suilean  a  chunnaic  iibhlan  air  craoibh,"  ach 
tha  thu  cearr  a  rithist,  agus  cha  ruig  thu  leas 
miothlachd  a  ghabhail  ged  their  mi  riut  gur 
dbcha  gu  bheil  fada  barrachd  agam  ri  dheanamh 
na  th'  agadsa,  's  gu'n  tugadh  tusa  'n  leabaidh  ort 
nan  robh  thu  cho  sgith  ris  an  fhear  a  tha  nis  a 
labhairt  riut.  Cha  'n  innis  mi  dhuit  gu  de  'n 
uair  a  tha  e,  ach  bu  mhaith  leam  innse  dhuit  gu 
de  a  thug  orm  lamh  a  thoirt  air  na  tomhseachain. 

Anns  a'  mhaduinn  bha  mi  gabhail  a'  mhonaidh 
gu  ait'iomallach  ann  an  sgireachd  nach  ruigear 


a  leas  ainmeachadh.  An  uair  a  dhirich  mi  os 
cionn  a'  ghlinne,  's  a  fhuairmi  an  ceuni  a  bheir- 
eadh mi  gu'm  cheann  uidhe,  cha  robh  creutair 
beo  r'a  fhaicinn,  's  cha  robh  fuaim  a'  briseadh 
na  samchair  ach  corra  ghlaodh  racach  a  bheir- 
eadh coileach  fraoich  as.  Choisich  mi  air  m' 
aghaidh,  cho  toilichte  ann  an  companas  mo 
smaointean  faoine  fhein,  's  ged  bhiodh  tusa,  a 
leughadair,  a'  toirt  dhomh  do  chomhraidh  air 
nithean  domhain  'sa  labhairt  rium  bhriathran 
glic.  Aig  lub  de'n  rathad,  'na  sbineadh  air  a' 
dhruim  direach  air  an  fhraoch,  chunnaic  mi 
balach  'na  shuain  chadail.  Ghabh  mi  clisgeadh 
gu  robh  rud-eigin  cearr  agus  stad  mi,  ach  anns 
a'  mhionaid  sin  fhein  dhuisg  e,  chuir  e  fo 
achlais  pasg  a  bha  sinnte  r'a  thaobh,  's  dh'eirich 
e.  Bha  sinn  a'  dol  an  aon  rathad  agus  thuit 
sinn  air  seanchas,  agus  is  iomadh  latha  o  nach 
do  thachair  companach  rium  a  chord  rium  cho 
mhaith  ris  a'  bhrogach  a  chadail  anns  an  fhraoch. 
Dh'  f  heuch  sinn  a'  Bheurl'  an  toiseach,  ach  an 
ceann  greis  thainig  sinn  gu  Gaidhlig,  agus  ma 
thainig,  fhuair  am  fear  6g  fuasgladh  facail.  Cha 
'n  'eil  mi  'n  duil  gu  bheil  eun  'san  ealltumn  air 
nach  d'  thug  e  tarruing,  fhuair  mi  eolas  bhuaith 
air  fichead  ni  iongantach  a  bhos  is  shuas,  's  nan 
do  chum  mise  cuimhne  air  na  chuala  mi  b' 
fhiach  dhiutsa,  leughadair,  tigh'nn  air  cheilidh 
orm.  Cha  'n  fhac  e  'n  fhairge  riamh  ach  dh'iarr 
e  orm  innse  dha  mu'n  chuan  's  mu  bhataichean, 
agus  air  dhomh  sin  a  dheanamh,  chuir  e  orm  tri 
no  ceithir  de  cheistean  mora  a  dhearbh  dhomh 
m'  aineolas.  Mu  dheireadh  thall,  thuirt  e  rinm 
— Tomhsaibh  so — agus  an  sin  chuala  mi  tomh- 
seachan  nach  cuala  mi  o'n  dh'  fhag  mi  'n  sgoil, 
agus  air  druim  a'  mhonaidh,  ann  an  teas 
meadhoin  Albainn,  fad  o'n  mhuir  chairdeil  's  o 
na  h-eileinean  an  iar,  bha  coslas  seann  chomp- 
anach  mu'n  choinneamh  a  bha  comhla  rium  'san 
sgoil.  Tha  e  'n  diugh  marbh,  ach  b'  ann  uaith 
a  chuala  mi  an  tomhseachan  an  toiseach  agus 
thug  facal  a'  bhalaich  e  'nam  chuimhne.  Thomh- 
ais  mi  a'  cheud  fhear  a  chuir  e  orm  gu  gasda, 
ach  cha  do  leig  e  as  mi  leis  a  sin,  oir  bha 
saighdean  eile  'na  bholg.  Chuir  e  orm  cho 
mhaith  ri  coig  tomhseachan  fhichead  agus  cha 
b'urrainn  mi  thomhas  dhiu  ach  mu  thuaiream 
seachd.  Cha  do  mhi-chord  an  rud  ris  a'  bhrog- 
ach, agus  thug  e  dhomh  comhnadh  far  a  fac  e 
gu  robh  comhnadh  feu.mail.  Thuirt  e  gur  h-e 
shean-mhathair  a  dh'  ionnsuidh  iad  dha  fhein  's 
dh'  fhaighnich  e  an  robh  sean-mhathair  agamsa. 
Dh'  f  heoraich  e  dhiom  an  rachadh  agam  air 
seasamh  air  mo  cheann,  agus  air  dhomh  aideach- 
adh  gu  robh  cho  mhaith  leam  gun  fheuchainn, 
dh'  iarr  e  orm  am  pasg  's  a  bhoinneid  a  chumail 
gus  an  deanadh  e  fhein  seasamh  claidheamh. 
Ach  bha'n  latha  dol  seachad  's  b'  fheudar  dhomh 
fhein  's  do'm  chompanach  seangarra  dealachadh, 
ach  bidh  an  tuilleadh  eolais  againn  air  a  cheile. 


.3:2 


Sin  agadsa,  a  leughadair,  gu  de  a  thug  ormsa 
tarruing  a  thoirt  air  na  tomhsaachain,  agus  ged  a 
chrathas  tusa  do  cheann  's  a  dh'  fheuchas  tu  ri 
sealltuinn  ni's  glice  na  tha  thu  ann  an  da-rireadh, 
's  ged  a  their  thu  gu'n  do  thachair  burraidh  mor 
air  a'  bhurraidh  bheag  an  diugh,  tha  mise  'g 
radh  riut  a  rithist,  le  d'  chead,  gu  bheil  faoineas  is 
faoineas  ann.  Na  faighinn  fhein  's  am  fear  beag 
greim  ort,  's  na  faodamaid  a  radh  riut — tomhais 
so — cha  bu  mhisd  thu  dad  ar  ceasnachadh  oir 
theagaisgeamaid  dhuit  gu  bheil  moran  nithean 
air  neamh  is  talanih  nach  aithne  dhuit  fhathast. 

Tha  na  tomhseachain  cho  sean  ris  a'  cheo, 
agus  tha  e  gle  choltach  gu  robh  an  duine  bu 
ghlice  bha  riamh  air  an  t-saoghal  car  gaolach 
orra,  ged  tha  thusa  'g  radh  nach  'eil  annt'  ach 
faoineas.  Tha  sinn  a'  leughadh  ann  an  eachd- 
raidh  nan  ludhach  gu  robh  gaol  mor  aig  Solamh 
is  Hiram  air  a  cheile,  's  nach  do  rinn  an 
raiteachas  a  bha  eatarra  mu  thomhseachain  ach 
an  cairdeas  a  neartachadh.  Cha  'n  urrainn 
dhuit  aicheadh,  a  leughadair  choir,  nach  robh 
Hiram,  righ  Thiruis,  agus  Solamh,  righ  Israel 
'nan  daoine  glic  aig  an  robh  uiread  r'a  dheanamh 
'san  tsaoghal  'sa  th'  agadsa,  ach  cha  robh  iad 
cho  driopail  's  nach  faodadh  iad  leth-uair  a  chur 
seachad  an  drasd  'sa  rithist  ann  a  bhi  deanamh 
's  a'  fuasgladh  thomhseachan.  Chuir  iad  aon 
uair  geall  feuch  co  am  fear  a  b'  fhearr  aca. 
Chain  Hiram  an  geall  an  toiseach,  cha  deach- 
aidh  aig'  aii-  tomhseachain  righ  Israel  fhuasgladh, 
agus  b'  fheudar  dha  suim  mhor  airgid  a  phaigh- 
eadh.  Ach  bha  fear  ann  an  Tirus  d'a  'm  b'ainm 
Abdemon  a  bha  anabarrach  geur  agus  thairg 
esan  do  Hiram  gu  feuchadh  e  ri  tomhseachain 
Sholaimh.  Dh'  fhuasgail  e  iad  uile,  thug  e 
feadhainn  lira  d'a  mhaighstir  a  dh'  fhairtlich  air 
Righ  Israel,  's  choisinn  Hiram  an  geall  air  ais. 
Mas  fior  na  leughar  chuir  duin'  air  choreigin  an 
tomhseachan  so  air  Homer — 
Chaidh  mi  do  ft  bhein  a  shealg, 
Dh'fhag  mi  maeh  an  rud  a  fhuair  mi, 
'5  thug  mi  dhachaidh  an  rud  nach  d' fhuair  mi, 

's  chuir  e  leithid  a  dh'  fharran,  's  a  nair'  air  nach 
deachaidh  aig'  air  fhuasgladh  's  gu'n  do  bhrist  a 
chridhe.  Cha  do  rinn  e  riamh  car  ceart  'na 
dheigh.  Is  beag  an  t-ioghnadh  ged  nach  b' 
urrainn  na  Philistich  an  tomhseachan  a  chuir 
Samson  orra  fhuasgladh — As  an  fkear  a  dh' 
itheas  thai?iig  a  mach  hiadh,  agus  as  anfhe&r 
gharg  thainig  a  mack  mil/sead : — Breitheamhna 
xiv.,  14.  Ghabh  Samson  an  cothrora  orra,  's 
cha  robh  a  leithid  so  do  thomhseachan  ceart  no 
direach,  oir  mur  biodh  fhios  aca  air  an  ni  a 
thachair  airsan  air  an  t-slig?ie,  cha  robh  e  comas- 
ach  dhaibh  fhuasgladh  le  geireid  inntinn.  Ach 
ma  ghabh  Samson  an  cothrom  orrasan,  ghabh 
iadsan  an  cothrom  airsan  agus  threabh  iad  le 
agh  da  rireadh. 


Am  measg  nan  ludhach  bha  sean  fhacail  is 
tomhseachain  air  an  cleachdadh  mar  mhodh 
teagaisg.  Aomaibh  ar  cluas,  ars'  an  Salmadair, 
chum  briathran  mo  bheil,  fosglaidh  mi  mo  bhetd 
an7i  an  costnhalachd,  cuiridh  mi  sean-fhacail 
dhorch'  an  ceill.  Tha  am  faidh  Eseceil  ag  radh 
gu'n  thainig  facal  an  Tighearna  'ga  ionnsuidh,  ag 
radh — A  mhic  an  duine,  cuir  a  tnach  tomhseachan, 
agus  lahbair  cosmhalachd  ri  tigh  Israel.  Tha 
gu  leoir  a  thomhseachain  anns  an  t-seann 
Tiomnadh,  gu  sonruichte  ann  an  leabhraichean 
a'  Ghliocais.     Is  ann  dhiu  sin  a  tha  : — 

Ceithir  nithean  nach  abair,  is  leor  e.     Gnath- 

fhocail  JO,  16. 
Ceithir   nithean    nach  aithne  dhomh.        Gnaih- 

fhocait  JO,  18. 
Ceithir  nithe  beaga  tlia  ro  ghlic.     Gnath-fhocail 

Ceithir   nithean  a  tha  tlachdmhor  'nan  siubhal. 
Gnath-fhocail  JO,  2g. 

Cha  'n  'eil  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  ach  aon 
tomhseachan  uile  gu  leir  ach  tha  'm  fear  sin  gun 
fuasgladh  fhathast : — An  ti  aig  a'  bheil  tuigse^ 
airmheadh  e  aireamh  an  fhiadh-bheathaich  ;  oir 
is  aireamh  duine  e  ;  agus  is  e  'aireamh  se  ceud 
agus  tri  fichead  agus  se.  Taisbean  xiv.,  18.  Ma 
ghabhas  tu  mo  chomhairle,  seachain  an  radh 
dorcha  so,  agus  cleachd  t-inntinn  's  do  chridhe 
air  earrannan  eile  de'n  Leabhar  naomh  a's  usa 
agus  a's  buannachdaile.  Fag  aireamh  an  fliiadh- 
bheathaich  mar  tha  i. 

An  deigh  dhomh  dealachadh  ris  a'  bhalach 
thug  mi  greis  air  smuaineachadh  air  tomhseach- 
ain agus  thainig  e  gu  'm  inntinn  gur  h-iomadh 
rud  a  bu  mhiosa  dh'  fhaodadh  na  maighstirean 
sgoile  dheanamh  na  ged  chuireadh  iad  fhein  'sa 
chlann  seachad  uair  'san  t-seachduinn  a'  cur 
thomhseachan.  Tha  iomadh  ni  'ga  dheanamh 
's  na  sgoilean  an  diugh  nach  'eil  idir  cho  mhaith 
air  reir  mo  bheachd.  Bhiodh  a'  cheart  uidhir 
meas  agam  air  air  geireid  inntinn  a  ghill'  a 
thomhseadh  so — 

Theid  e  null  air  an  abhainn, 
Thig  e  nail  air  an  abhainn 
Innsidh  e  naigheachd, 
'S  cha  labhair  e  diog, 
's  a  bhiodh  agam  ged  a  dh'  innseadh  e  dhomh  a 
latha  'sa  bhliadhna  air  an  do  chuireadh  Blair  na 
h-Olaind.       Cha  'n  'eil  cothrom  agam  an  cbrr  a 
radh  aig  an  am,  ach  creid  mi,  leughadair, —  co 
dhiu   is  fear  no  bean   thu — nach  ruigear  a  leas 
faoineis  a  chur  as  do  leth  ged  a  shuidheadh  tu 
am    measg  na  cloinne  's  ged  a   dh'abradh   tu 
riutha — Co  thomhseas  so? 

An  cutnan  iubhair  adhair 

A  thug  m'  athair  as  an  Ros, 

Ged  chuireadh  tit  hheul  foidhe 

Cha  tinadh  deur  as. 


Air.  9. 


1908. 


U  A  N      'D  E 

Feuch  uan  De  a  tha  toirt  air  falbh  peaeadh  ati 
t-saoghail. — Eoin   i.   29. 


Ann  an  leabhar  an  Taisbeanaidh  a  sgriobh  an 
diadhair  Eoin  'na  sheann  aois,  tha  e  labhairt  niu 
Chriosd  gu  bitheanta  mar  Uan.  Is  ann  o  Eoin 
a'  Bhaistiilh  a  fhuair  e  'm  facal.  Dh'  fhosgail 
Dia  suilean  a'  Bhaistich  agus  thug  e  dha  sealladh 
air  gloir  an  t-Slanuigheir  ma'n  robh  a'  ghloir  sin 
air  a  foillseachadh  do  dhaoin'  eile.  Bha  cuid  de 
na  h-abstoil — an  diadhair  Eoin  am  measgchaich 
— a'  leantuinn  an  fhaidh  Eoin  ma  'n  do  thoisich 
iad  air  Criosd  a  leantuinn,  ach  bha  Ian  fhios  aig 
Eoin  gu  robh  neach  a'  teachd  'na  dheigh  aig  an 
robh  toiseach  air,  's  cha  dh'  iarr  e  urram  a  b' 
airde  dha  fhein  no  shghe  an  Tighearn  a  dhean- 
amh  direach.  Air  do  Eoin  a  bhi  'na  sheasamh 
aon  latlia  maille  ri  dithis  dheisciobul,  chunnaic 
e  losa  teachd  da  'n  ionnsuidh  's  thuirt  e  riu — 
Feuch  uan  De — mar  gu  'n  abradh  e,  Coma  leibh 
mise  tuilleadh,  leanaibh  Esan.  Faodaidh  gu  'n 
do  dhichuimhnich  each  am  facal  a  labhair  am 
Baisteach,  ach  rinn  e  leithid  a  ghreim  air 
inntinn  an  diadhair  Eoin  's  nach  d'  fhuair  e 
riamh  facal  a  b'  fhearr  leis  mu  Chriosd  na  Uan 
De.  lomadh  bliadhna  an  deigh  do  'n  Bhaisteach 
a  bhi  'san  uir,  an  uair  a  bha'n  diadhair  Eoin  ann 
an  eilein  Phatmois  's  a  chunnaic  e  gloir  an 
Tighearna,  tha  e  'g  innseadh  an  t-seallaidh  a 
chunnaic  e  ann  am  briathran  a  bheir  'nar 
cuimhne  am  facal  a  chual  e  an  toiseach  aig 
abhainn  lordain — Agus  dh'  amhairc  mi,  agus- 
ann  am  meadhon  nan  seanairean  Uan  'na 
sheasamh  mar  gu  'in  biodh  e  air  a  mharhhadh. 
Ma  chuimhnicheas  sinn  nach  'eil  a  haon  de  na 
soisgeulaichean  ach  Eoin  a'  labhairt  mu  Chriosd 
mar  uan,  's  gu  bheil  esan  a  toirt  an  ainm  so  do 
Chriosd  seachd  uairean  fichead,  tuigidh  sinn 
gu  'n  do  rinn  facal  a'  Bhaistich  greim  dli'ith  air 
a  chridhe,  's  nach  do  dhichuimhnich  e  e  gu 
latha  'bh&,is.  An  uair  a  bha  Luther  air  a 
leabaidh  bhais  's  a  dh'  fhaighnich  a  bhean  dheth 
gu  de'n  earrann  de 'n  Bhiobull  a  bu  mhaith  leis 
i  leughadh  dha,  thuirt  e — Leugh  dhomh  nafacail 
anns  an  do  thilg  mi  m'  acair  an  toiseach.  Is 
ann  mar  sin  a  dh'  eirich  do  'n  diadhair  Eoin. 
Ghreimich  am  facal  uan  De  air  a  chridhe  's  mar 
bha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  fhuair  e 
an  tuilleadh  soluis  ann  's  an  tuilleadh  brigh. 
'Na  oige  thilg  e  'acair  ann  am  facal  a'  Bhaistich, 
's  na  sheann  aois  bha  'm  facal  sin  fhathast  'na 
aran  beatha  d'a  anam. 

I.  Carson  a  labhair  am  Baisteach  mu  Chriosd 
mar  uan  ?  An  robh  rud  sonruichte  sam  bith 
ann  an  coslas  an  t-Slanuigheir  a  thug  air  Eoin  a 


shamhlachadh  ri  uan  ?  Tha  sinn  an  dull  nach 
do  rinn  Eoin  ach  tigh'nn  thairis  air  smuain  a 
thachair  air  anns  an  t-seann  Tiomnadh.  Bha  e 
eolach  air  an  fhacal  a  bha  sgriobhte  ann  an 
leabhar  Isaiah  mu  sheirbhiseach  an  Tighearna — 
thugadh  e  mar  uan  chum  a'  chasgraidh  aah  cha 
d'  fhosgail  e  a  bheul.  Ann  an  litreachas  nan 
ludhach  's  ann  an  litreachas  chinneach  eile,  tha 
'n  t-uan  air  a  ghabhail  gu  bitheanta  mar  shamh- 
ladh  air  ciuine  is  caomhalaclid.  Anns  an  t-seadh 
so  b'e  Criosd  da  rireadh  uan  Dhe,  oir  cha  robh 
riamh  aon  cho  caomhal  ris  am  measg  clann  Dhe. 
Bha  e  caomhal  n  cairdean  is  nainihdean,  's  cha 
do  chuir  e  cul  ri  neach  riamh  le  feirg.  Ged  a  bha 
cuid  de  na  Pharasaich  'nan  daoine  maith,  bha 
am  maitheas  cho  fuar  ris  an  t-sneachda.  Ach 
bha  leithid  a  bhlaths  's  a  chaomhalachd  ann  am 
maitheas  Chriosd,  's  gu  robh  peacaich  is  daoin' 
ain-dhiadhaidh  air  an  taladh  'ga  ionnsuidh.  Cha 
b'  ann  a  dhiteadh  dhaom'  a  thainig  e  do  'n 
t-saoghal  ach  'ga  'n  tearnadh,  's  bha  e  moran 
ni  b'  fhearr  leis  cuideachadh  leo  seach  trod  riu. 
Tha  cuid  a  sheirbhisich  an  Tighearn  a  dh' 
fhaodas  a  bhi  air  an  samhlachadh  ri  leomhan,  's 
cuid  eile  ri  uan ;  cuid  anns  a  bheil  neart  gun 
chaomhalachd  's  cuid  eile  anns  a  bheil  caomh- 
alachd  gun  neart.  Ach  ann  an  Criosd  rinn  an 
leomhan  's  an  t-uan  comhnuidh  maille  ri  cheile. 
Cha  b'  ann  o  laigse  naduir  a  thainig  a  chaomh- 
alachd -  san  ach  o  neart.  Buinidh  nimh  is 
naimhdeas  do'n  troich,  ach  buinidh  caomhalachd 
do  'n  ghairdean  tbreun  's  do'n  chridh'  fharsuing. 
Tha  cumhachd  is  neart  Dhe  'nan  cuis-eagail  do 
dhaoine  gus  an  cuimhnich  iad  gu  bheil  E  mar 
an  ceudna  Ian  caomhalachd  is  baigh  do  na 
creutairean  a  dhealbh  e.  A'  chuilc  bhruite  cha 
bhris  e  agus  an  lion  d'  am,  bheil  caol  smuid  cha 
mhuch  e." — Isiaih  xlii.  3..  Tha  cairdeas  'na 
ghnuis  is  caomhalachd  'na  chridhe,  agus  thig  e 
d'  ar  n-ionnsuidh  mar  an  t-uisge  ciuin  air  an 
talamh. 

II.  Tha  'n  t-uan  air  a  ghabhail  le  baird  is 
faidhean  mar  shamhladh  air  naomhachd  is 
iomlanachd  is  neochiontas,  agus  faodaidh  gu 
robh  an  smuain  sin  ann  an  inntinn  Eoin  an  uair 
a  labhair  e  mu  Chriosd  mar  uan  De.  Mur  biodh 
Esan  gun  pheacadh,  cha  bhiodh  e  'na  Shlan- 
uighear  dhaoin'  a  bha  tinn  le  galair  a'  pheacaidh ; 
oir  as  eugmhais  gu  'n  d'  fhuair  E  fhein  buaidh 
air  an  t-saoghal,  cha  b'  urrainn  dha  theagasg  d'a 
bhraithrean  ciamar  a  bhuadhaicheadh  iad.  Aig 
crioch  a  bheatha  b' urrainn  e  radh — Co  agaibh-sa 
chuireas  peaeadh  as  mo  leth  ?  Cha  'n  e  mhain 
nach  b'  urrainn  daoin'  eile  dheanamh,  ach  cha 
bu  leir  dha  dad  a  bhuineadh  do'n  pheacadh  ann 
fhein.     Ged  a  bha  choguis  mile  uair  ni  's  geire 


34 


no  ar  coguis-ne,  cha  do  chuir  i  riamh  peacadh 
as  a  leth.  Is  e  sin  miorbhuil  an  Tiomnaidh 
Nuaidh.  Is  e  sin  an  fhianuis  nach  gabh  carach- 
adh.  Ua  -  rireadh  labhair  Eoin  an  fhirinn  an 
uair  a  ghlaodh  e — Feuch  uan  Be.  Cha  ghabh 
an  criin  gu  brath  a  thoirt  far  ceann  Chriosd  gus 
an  comharraich  an  saoghal  peacadh  ann.  O 
chionn  dluth  air  da  mhile  bliadhna  tha  ana- 
creidmhich  a'  feuchainn  ri  sin  a  dheanamh  ach 
dh'  fhairtlich  orra.  Cha  b'  ann  an  diugh  no  'n 
de  a  thoisich  an  saoghal  air  oilbheum  a  ghabhail 
do  Mhac  an  duine,  ach  tha  naomhachd -san 
fhathast  gun  smal,  's  tha  ainm  air  ardachadh  os 
cionn  gach  ainm.  Cha  d'  fhuair  an  t-suil  is 
bioraiche  mearj.chd  ann,  no  'n  cridhe  's  guiniche 
lochd  ann.  Bha  aon  duine  d'am  biodh  e  gu 
buanachd  cliu  Chriosd  a  mhilleadh.  B'e  sin 
ludas.  Rachadh  aige  air  e  fhein  a  dheanamh 
ni  bu  ghile  nam  b'urrainn  e  olc  sam  bith  a  chur 
as  leth  a'  Mhaighstir  a  bhrath  e,  ach  cha  b' 
urrainn  eadhoin  teanga  an  eucoraich  sin  a 
dheanamh.  An  uair  a  thill  e  dh'  ionnsuidh  nan 
ard-shagairtean  's  a  thilg  e  mu  'n  casan  duals  na 
h-eucorach,  thuirt  e  riu — Pheacaich  mi  ann  am 
brath  na  fola  neo-chiontaich.  Bha  naimhdean  a' 
furachail  's  a  farchluais  air  Criosd  gun  sgur,  ach 
cha  b'  urrainn  dhaibh  rud  a  bu  mhiosa  radh 
uime  no  c/u  rohh  e  'na  charaid  do  chis-mhaoir  's 
do  phesicaich  's  ag  itheadh  inaille  riu.  Bhiodh  e 
'na  ghreim  mills  dhaibhsan  mearachd  fhaotainn 
ann,  ach  cha  d'  fhuair  iad  an  cothrom.  Bha  e 
anns  an  teine  ach  cha  do  bhean  e  dha.  Cha  mho 
a  chunnaic  a  chairdean  a  riamh  lochd  aim.  A 
thaobh  beatha  duine  tha  fianuis  chairdean  moran 
ni  's  airidh  air  eisdeachd  na  fianuis  naimhdean. 
Is  maith  an  sgathan  suile  caraide.  Ged  a  bhios 
e  caomhal  ri  failingean,  is  leir  dha  iad  gu  maith. 
Chi  suil  ar  caraid  iomadh  ni  nach  faic  suil  ar 
namhaid,  oir  tha  e  'gar  faicinn  aig  taobh  an  teine. 
Tha  sinn  am  bitheantas  air  ar  faicill  an  uair  a 
tha  suil  ar  namhaid,  oirnn,  ach  ann  an  companas 
ar  cairdean  tha  sinn  a'  fosgladh  uinneagan  is 
dorsan  ar  cridhe  air  chor  's  gu  faic  iad  earnais 
an  tighe  uile — maith  no  dona  mar  tha  e.  Is 
e  iadsan  a  mhain  d'an  aithne  duine  aig  taobh  a' 
ghealbhoinn  a's  urrainn  breth  chothromach  a 
thoirt  air.  Bha  'n  daimh  a  bha  eadar  Criosd  's 
na  deisciobuil  anabarrach  dluth.  Bha  iad  maille 
ris  a  latha  's  a  dh'  oidhche,  a  Shabaid  's  a  Luan, 
anns  an  tigh,  anns  na  bailtean,  air  an  raon  Dh' 
ith  is  chaidil  iad  comhla  ris,  's  chual  iad  ach 
beag  a  h-uile  facal  a  labhair  e  riamh.  Chunnaic 
is  chual  iad  gu  de  rinn  's  a  thubhairt  e  ann  am 
foUais  's  ann  an  diomhair,  air  beulaobh  a 
naimhdean  's  ann  an  tighean  a  chairdean,  anns 
an  latha  dhorcha  's  anns  an  latha  ghrianach,  o 
cheum  gu  ceum  d'a  thurus ;  agus  b'e  an  fhianuis 
a  thug  iad  uime  gu  'm  b'  esan  da-rireadh  Uan 
De.  An  uair  a  leughas  sinn  an  eachdraidh  a 
sgriobh  iad,  tha  sinn   a'  faireachdainn  gu   bheil 


sinn  an  lathair  neach  a  bha  os  cionn  an  t-saogh- 
ail.  Bhuaireadh  e  's  na  h-uile  nithibh  air  an 
doigh  cheudna  ruinne,  ach  as  eugmhais  peacaidh. 
Thug  e  buaidh  air  peacadh  'na  chridhe  ma  'n 
d'  thug  e  buaidh  air  'na  chorp  air  a'  chrann,  's 
bha  e  air  a  chomhdachadh  le  iomlanachd  mar 
le  trusgan  glan  cubhraidh.  B'e  bhiadh  's  a 
dheoch  toil  an  Athar  a  dheanamh,  's  b'  urrainn 
e  radh  —  Ohloraich  mi  thu  air  thalam,h,  chrioch- 
tiaich  mi  an  ohair  a  thug  thu  dhomh.  Tha  e  'na 
sheasamh  leis  fhein  am  measg  clann  nan  daoin' 
— iadsan  uile  peacach  ach  Esan  glormhor  ann 
an  gloine  na  naomhachd. 

III.  Tha  sinn  an  dull  gu  robh  tuilleadh  is 
caomhalachd  is  neochiontas  Chriosd  ann  an  inn- 
tinn  Eoin  an  uair  a  labhair  e  uime  mar  uan  De. 
Bha  Eoin  air  a  thogail  ann  an  creud  nan  ludhach 
agus  cha 'n 'eil  teagamhnach  robh  uan  na  caisge 
'na  inntinn  aig  an  am.  Gahhaidh  sihh  dhuibh 
fein  uan,  hidh  an  t-uan  gun  ghaoid,  gahhaidh 
sibh  do  'n  fhuil  agus  cuiridh  sibh  i  air  an  da 
ursainn,  agus  an  uair  a  chi  mise  an  fhuil,  theid 
mi  thairis  oirbh,  agus  cha  bhi  'phlaigh  oirbh  a 
chum  bhur  millidh  'n  uair  a  bhuaileas  mi  tir  na 
h-Evphit — Ecsodas  xii.  Bha  'n  t-ordugh  so  ag 
amharc  air  thoiseach  air  gu  iobairt  a  b'  fhearr  's 
a  bu  luachmhoire  a  bha  gu  bhi  air  a  tairgsinn 
aon  uair  airson  peacadh  an  t-saoghail.  Tha  sibh 
air  'ur  saoradh,  arsa  Peadar,  le  fuil  luachmhor 
Chriosd,  mar  uan  gun  ghaoidgu7i  sm,al,  a  bh'  air 
a  roimh  orduohadh  ma  'n  do  leigeadh  bunaitean 
an  tsaoghail.  Ma  sgriobh  Isaiah  mu  sheirbh- 
iseach  an  Tighearna  gu  'm  biodh  e  air  a  thoirt 
mar  uan  chum  a'  chasgraidh,  sgriobh  euime  mar 
an  ceudna  gu'n  do  bhruthadh  e  airson  ar  n-ain. 
gidheachd-neagusgu'n  doleaganTighearn  airsan 
euceartan  gach  aom  dinn.  Is  e  so  teagasg  nam 
faidhean  agus  nan  abstol.  Cha  ghabh  e  cur 
tuilleadh  'sa  choir  simplidh  no  tuilleadh  'sa 
choir  laidir — thug  Crsosd  air  falbh  peacadh.  an 
t-saoghail  le  ghiulan  'na  chorp  fltein  air  a' 
chrann,  's  tha  maitheanas  peacaidh  air  a  thairg- 
sinn  do  dhaoin'  a  chionn  gu  'n  do  bhasaich  E 
air  an  son.  Ann  am  bas  an  t-Slanuigheir  tha 
gradh  Dhe  is  peacadh  an  duine  a'  coinneachadh 
a  cheile,  's  tha  'n  gradh  a'  faotainn  na  buadha. 
Bha  Criosd  cumhachdach  'na  bheatha,  ach  bha 
E  ni  bu  chumhachdaiche  'na  bhas.  Thainig  e 
steach  d'a  rioghachd  troimh  gheatachan  a'  bhais, 
agus  fhuair  E  mar  thoradh  fhulangais  uachdar- 
anachd  thairis  air  an  t-saoghal.  Bha  am  facal  a 
labhair  E  air  a  choimh-lionadh — Mise  ma  thogar 
suas  o'n  talamh  tni,  tairnigh  mi  na  h-uile  dhaoine 
a'm  ionnsuidh. 

O  uain  mo  ghraidh,  t'  fhuil  phriseil,  bhlath, 

Cha  chain  gu  brath  a  brigh, 

Gus  am  bi  mhuinntir  shaoirt  air  fad 

Bho  'm  peacadh  glan  d'a  trid 

Bho'ndhearc  moshuil  ri  d'chreuchdan  ciurrt' 


35 


A'  bruchdadh  cungaidh  shlaint', 
Gradh-saoraidh  Chriosd  's  e  tha  mi  luaidh, 
'S  a  bhios  gu  uair  mo  bhais. 

An  lathair  a'  chroinn-ceusaidh  tha  aoradh  moran 
ni  's  freagarraiche  na  argumaidean.  Dhasan  a 
ghradhaich  sinn  agus  a  shaor  sinn  o  ar  peac- 
aidhean  'na  fhuil  fhein,  's  a  rmn  riyhrean  is 
sagairtean  do  Dhia  dhinn,  dhasan  gu  rohh  gloir 
is  moladh  gu  saoghal  nan  saoghal. 


AN     SIONNACH. 


Air  do  shionnach  a  bhi  gabhail  a  shraide  aon 
latha  thainig  an  t-acras  air,  's  thuirt  e  ris  fhein — 
ged  is  maith  an  cocaire  an  t-acras,  is  dona  'n 
t-acras  gun  bhiadh.  Ach  anns  a'  mhionaid  sin 
fhein  thachair  coileach  mor  reamhar  air,  's  gun 
uidhir  's  a  lethsgeul  a  ghabhail  rug  e  air  a' 
choileach  air  amhaich,  's  thuirt  e  ris  fhein— is 
e  'n  gliocas  an  trath  a  cheapadh  far  a  faighear  i. 
Cliunnaic  an  sionnach  nach  do  chord  an  rud  idir 
ris  a'  choileach  mhor,  's  los  tarruing  as  thuirt  e 
ris — Is  minic  a  thainig  deagh  chomhairle  as  do 
bheul  fhein,  a  choihch,  innis  dhomh  gu  de 
dheanadh  tu  nan  robh  thu  'na  m'  aite-sa.  Tha 
sin  furasda  gu  leor  a'  radh,  ars'  an  coileach,  leis 
am  beagan  analach  a  bh'  aige — Dhuininn  mo 
shuilean,  dheanainn  altachadh,  is  dh'  ithinn  thu. 
Gle  mhaith,  ars'  an  sionnach,  bha  car  de  'n 
cheart  ni  a'  ruith  ann  am  inntinn  fhein  's  a 
chionn  gu  bheil  sinn  a  dh' aon  inntinn,  cha 
ruigear  a  leas  dail  a  chur  's  a  ghnothuch.  Cha 
mhor  gu  'm  b'  urrainn  an  sionnach  cumail  air 
fhein  leis  a'  ghaireachduinn,  ach  phaisg  e  spogan, 
chuir  e  aodann  fad'  air,  's  thoisich  e  air  beann- 
achadh  iarraidh  air  a'  bhiadh.  Ach  an  uair  a  dh' 
fhosgail  an  sionnach  a'  bheul,  fhuair  an  coileach 
a  chas  ma  reir  's  gun  fantuinn  r'a  lethsgeul  a 
ghabhail,  tharr  e  as,  's  cha  robh  aig  an  t-sionnach 
ach  altachadh  gun  bhiadh.  Droch  pheallach  ort, 
a  choilich,  ars'  esan,  is  mise  'm  fear  nach  iarr  gu 
brath  beannachadh  air  biadh  gus  am  bi  e  'nam 
chorp. 

Tha  fhios  againn  gu  bheil  cuid  a  dhaoin'  ann 
aig  a'  bheil  an  seors'  inntinn  ris  an  abrar  an 
inntinn  litireil,  daoin'  a  tha  ullamh  gu  feala-dha 
a  ghabhail  ann  an  da-rireadh,  agus  dh'  iarramaid 
air  na  daoine  sin — ma  tha  h-aon  dhiu  am  measg 
ar  luchd  leughaidh — a  chreidsinn  nach  'eil  sinn 
a'  comhairleachadh  dhaibh  an  t-altachadh  a 
dheanamh  aig  a'  cheann  chearr  de  'n  dinneir,  mar 
a  chuir  aim  madadh  ruadh  roimhe  dheanamh  an 
deigh  dha  'n  coileach  a  chall.  Ma  dh'  fhaoite 
gu  bheil  ar  luchd-leughaidh  uile  'nan  daoine  cho 
pongail  's  nach  ruig  sinn  a  leas  an  cur  'nan 
earalas,  ach  cha  'n  urrainn  sinn  a  bhi  cinnteach. 
Tha  'n  inntinn  litireil  a'tachairt  oirnn  cho  trie  's 


gu  bheil   car  a  dh'  eagal  againn  roimpe.     Tha 
iadsan  aig  a  bheil  i   mar  gu  'm  biodh  duin'  air 
leth-shuil.    Ged  a  shaoileas  fear  na  leth-shuil  gur 
leir  dha  cho  mhaith  's  a  bu  leir  dha  riamh,  cha  'n 
fhaic  e  ach  an  rud  a  tha  direach  m'a  choinneamh 
Is  ann  mar  sin  a  tha  iadsan  aig  a  bheil  an  inntinn 
litireil.     Feumaidh  tu  an  tarrung  a  bhualadh  air 
a  ceann  ma  'n  tuig  iad.     Cha  'n  fhoghainn  leth 
an  fhacail  no  caog  de  'n  t-suil.      Ma  dh'  fhagas 
tu  an  gnothuch  mar  sin  faodaidh  tu  bhi  cinnteach 
gu  'n  tuig  iad  thu  ann  an  doigh  nach  robh  thu 
ciallachadh,  's  gu  'n  gabh  iad  do  chainnt  ann  an 
seadh  nach   do  chuir  thu  fhein   innte.     Tha  e 
duilich  do  dhuin'  aig  a  bheil  an  inntinn  litireil 
an  fhirinn  innseadh,  cha  'n  'ann  a  chionn  nach 
maith  leis  sin  a  dheanamh,  ach  a  chionn  nach 
'eil  e  tuigsinn  gu  ceart.    Gabhaidh  e  do  bhriath- 
ran  gu  litireil  gun  suim  sam   bith  do  'n  doigh 
anns  an  d'  thubhairt  thu  iad.     Ma  chual  e  thu 
ag  radh  nach  'eil  fardain  'nad  sporan,  innsidh  e 
gu  'n  d'  thuirt   thu  ris  gu  bheil  thu  gun  sgillinn 
airgid.     Ann  an  aon   seadli  cha  do  chuir  e  na 
breugan    ort,    cha    do   rinn    e  ach   d'  fhacal   a 
ghabhail   gu   litireil.      Mur    biodh    do    sporran 
falamh  aig  an  am  cha  'n  abradh  tu  na  thubhairt 
thu,  ach  tha  deagh  phasg  airgid  agad  fo  ghlais 
anns  a'  chiste,  agus  dh'  fhaodadh  esan  amharus 
a  bhi  aige  gu  robh  o'n  doigh  anns  an  d'  thubhairt 
thu  am  facal,  's  o'n  ghuth  anns  an  do  rinn  thu 
do  ghearan,  ach  bha  'n  inntinn  litireil  aige  's  cha 
d'  amais  e  air  an  fhirinn.     Chual  e  thu  la  eile  'g 
radh  peasan  ri   Dorahull,  is  fear  mo  ruin  ri  Iain 
's  dh'  innis  e  nach  bu  toigh  leat  Domhuill  idir 
ach  gu  robh  gaol  mor  agad  air  Iain.    Bha  e  cearr 
a  rithist.     Thuirt  thu  peasan  ri  DomhuU  ann  an 
doigh  a  dh'  fhaodadh  burraidh  a  thuigsinn  nach 
robh  tu  ciallachadh  dad  cearr  a  radh  ris,  agus 
thuirt  thu  fear  mo  ruin  ri  Iain  ann  an  doigh  nach 
saoileadh  neach  a  chual  thu  gu  robh  deagh  run 
sam  bith  agad  dha,  ach  cha  tuig  fear  na  h-inntinii 
litireil  sin.     Gabhaidh   baigh  is    gradh   a  chur 
anns  an  fhacal  peasan,  agus  spid  is  tair  is  nimh 
is  naimhdeas  gu  leor  a  chuir  anns  an  fhacal  fear 
mo    ruin,    ach    ma  's    toigh    leat   sith    is    reite 
choimhearsnach  coma  leat  fheuchainn  ann  an 
eisdeachd  duin'  aig  a'  bheil  inntinn  litireil.  Agus 
ma  tha  h-aon  dhiu  sin  am  measg  ar  luchd  leugh- 
aidh— tha  sinn  an  dochas  air  an  sgath  fhein  nach 
'eil — theireamaid    a    rithist    nach    'eil    sinn   ag 
comhairleachadh  dhaibh  an  t-altachadh  a  dhean- 
amh aig  a  cheann  chearr  de'n  trath  no  feitheamh 
gus  a  bheil  am  biadh  gu  sabhailte  'nam  broinn. 
Ach    bheireamaid   comhairl'    orra   altachadh   a 
dheanamh  aig    ceann  air    chor-eigin,   agus    tha 
deagh   amharus  againn  gu  bheil    a'  chomhairle 
feumail    oir   is    iomadh    teaghlach    anns    nach 
cluinnear  fear  an  tighe  ag  iarraidh  beannachd  no 
toirt  taing  do  Dhia  airson  an  15in  o  cheann  gu 
ceann  de  'n  bhliadhna. 


36 


Tha  'n  t-am  agam  innseadh  carson  a  thug  mi 
tarruing  air  an  t-sionnach  's  mar  dh'  eiricli  dha 
fhein  's  do  'n  choileach.  Dean  faighidin  bheag, 
a  leughadair,  is  cluinnidh  tu.  Dh'  innis  mi 
dhuit  cheana  mu  'n  bhalach  a  chuir  orm  na 
tomhseachain  nach  b'  urrainn  mi  thomhas 
Thachair  e  orm  an  diugh  a  rithist  agus  dh' 
fhaighnich  e  dhiom  an  robh  naigheachd  agam 
coltach  ri  te  a  dh'  innis  mi  dha  an  la  ud.  B'e 
sgeulachd  an  t-sionnach  a'  cheud  te  a  thainig 
'nam  cheann  agus  thug  mi  dha  i,  agus  cha  'n  'eil 
reusan  agam  is  cudthromaiche  a  toirt  dhuit-sa 
nis  no  gu  'n  d'  innis  mi  an  diugh  cheana  i. 
Chord  i  ris  a'  bhrogach,  's  dh'  iarr  e  tuilleadh,  's 
dh'  innis  mi  dha  tri  eile  mu  shionnach  agus  aon 
te  mu  mhaighdean  mhara,  ach  cha  'n  innis  mi 
iad  sin  dhuitse,  oir  tha  fhios  agam  nach  deanadh 
tu  ach  gaire  fanoid.  Ach  ma  dheanadh  mo 
thogair  !  Is  fhad  o  chuala  mi  na  sgeulachdan 
ud  an  toiseach,  's  cha  robh  fhios  agam  gu  robh 
iad  idir  ann  an  seomraichean  diomhair  mo 
chuimhne  air  an  carnadh  suas  am  measg  treath- 
laich  eile  Ian  stuir  is  tamhain  eallaidh.  Ach  ged 
a  bha  iad  tiodhlaichte  thug  aghaidh  a'  bhalaich 
an  uachdar  iad.  An  deigh  dhuinn  dealachadh, 
thoisich  mi  air  smuaineachadh  air  da  ni  aig  nach 
robh  ceangal  air  bith  r'a  cheile  agus  bheir  mi  na 
ceistean  sin  dhuit,  a  leughadair,  feuch  gu  de  a 
ni  thu  dhiu.  Tha  thu  leigeil  ort  gu  bheil  thu 
moran  ni  's  glice  na  mise  's  am  balach  beag  ach 
tomhais  so — 

(i)  An  gabh  rud  a  chaidh  aon  uair  troimh  'n 
inntinn  a  dhi-chuimhneachadh  gu  brath  ? 

(2)  Carson  a  tha  'n  car  air  a  thoirt  as  an 
t-sionnach  cho  bitheanta  anns  na  sgeulachdan 
Gaidhealach  ? 

Ubh,  ubh,  arsa  fear  na  h-inntinn  litireil,  chaidh 
mile  rud  troimh  m'  inntinn-sa  air  nach  'eil  sgeul 
an  diugh.  Tha  mi  Ian  chreidsinn  gun  deachaidh, 
ach  ged  nach  'eil  sgeul  agad  orra  's  ged  nach 
h-urrainn  thu  do  lamh  a  chur  orra  aig  an  am, 
faodaidh  gu  bheil  iad  foluichte  ann  an  ciiil  air 
chor-eigin  's  gu  'n  tachair  iad  ort  an  uair  nach 
saoil  thu.  Tha  corr  is  fichead  bliadhna  o  chuala 
mise  sgeulachd  an  t-sionnaich  's  cha  d'  thug  mi 
tarruing  oirre  uaith  sin,  ach  ged  nach  robh  fhios 
agam  fhein  air,  bha  i  air  a'  cur  seachad  gu 
curamach  ann  an  oisein  d'  am  inntinn  gus  an 
tigeadh  feum  oirre.  Nach  trie  a  thachair  e  dhuit 
fhein,  a  leughadair,  gu  'n  do  leum  seann  rud  air 
chor-eigin  suas  'nad  inntinn  air  nach  do  smaoin- 
tich  thu  o  chionn  da  fhichead  bliadhna  !  Bha 
duil  agad  gu  'n  do  dhichuimhnich  thu  e,  ach 
thainig  e  air  ais  gun  fhios  ciamar.  Air  uairean 
bidh  mi  a'  coimeas  inntinn  an  duine  ri  lobhta 
sabhuil  Eoghain  Bhain.  Tha  Eoghan  'na  dhuine 
curamach,  crionnta,  leis  nach  toil  an  rud  a's 
lugha  dhol  air  chall.  Cha'n'eil  seann  chruidh, 
no    brangus,    no   cipean,    no   sgonn    taoid   no 


gibhleis  sam  bith  a  thachras  air  nach  tog  e  's 
nach  tilg  e  air  an  lobhtaidh,  ach  an  uair  a  bhios 
cipean  a  dhith  air,  ged  tha  fhios  aige  gu  bheil  e 
air  an  lobhtaidh,  is  usa  dha  dol  do  'n  cheardaich 
seach  an  lobhta  shiubhal.  Tha  i  Ian  de  gach 
seorsa  treathlaich,  seann  suic  is  sioman  ruadh, 
greallagan  is  tairngean,  udalain  is  seana  bhrogan, 
dubhain,  fiaclan  cleithe,  is  ceud  rud  eile  nach 
'eil  cuimhn'  agams'  air  no  eadhoin  aig  Eoghan 
fhein.  Chaidh  Tearlach  mor  aon  lathagu  Eoghan 
feuch  an  tugadh  e  dha  peallan  tearraidh,  agus  is 
e  thuirt  Eoghan  ris — Tha  amharus  agam  gu  bheil 
a  leithid  air  lohht  an  t-sabhuil  nam  b'  urrainn 
mi  mo  lamh  a  chur  air.  Tha  mi  'n  duil  gur 
h-ann  mar  sin  a  tha  inntinn  an  duine.  Tha  i  a' 
gleidheadh  a  h-uile  rud  a  chuireadh  riamh  innte 
ged  nach  h-urrain  sinn  ar  lamh  a  chur  air  an  uair 
a  tha  e  dhith  oirnn.  Their  sinn  gu  bheil  cu'mhn' 
mhaith  aig  aon  duine,  's  gu  bheil  droch  cuimhn' 
aig  duin'  eile  ach  nach  faod  e  bhi  gu  bheil 
inntinn  fear  na  droch  cuimhne  mar  bha  lobhta 
sabhuil  Eoghain  Bhain.  Ach  is  e  diomhaireachd 
a  th'  ann,  's  mar  bu  mhotha  smuainich  mi  air  an 
rud  thainig  tuainealaich  'nam  cheann  's  chuir  mi 
romham  an  tomhseachan  fhagail  agadsa  'leugh- 
adair. 

Tha  'n  naigheachd  so  ag  innseadh  ciamar  a 
thug  an  coileach  an  car  as  a'  mhadadh  ruadh 
agus  tha  moran  sgeulachdan  de  'n  cheart  sheorsa 
am  measg  oigridh  na  Gaidhealtachd.  Rachadh 
agam  air  innse  ciamar  a  thug  a'  chearc  's  an 
f  heannag  's  a'  ghobhar  an  car  as  cuideachd,  ach 
fagaidh  mi  sin  bu  la  eile.  Tha  'n  sionnach  'na 
chreutair  cho  seolta,  gleusta,  cuilbheartach,  's  gu 
bheil  daoine  car  toilichte  an  uair  a  chi  iad 
creutair  eile  faotainn  a'  chuid  a's  fhearr  dheth. 
Is  esan  da-rireadh  gille  nan  car,  agus  cha  mhi- 
chord  e  ri  daoine  gille  nan  car  fhaicinn  anns  an 
toll  a  chladhaich  e  airson  neach  eile.  Tha  'n 
sionnach  's  an  coileach  direach  mar  a  bha 
Haman  is  Mordecai.  Le  tratan  is  seoltachd  dh' 
uliaich  Haman  croich  airson  Mhordecai  ach  b'e 
fhein  a  chaidh  a  chur  oirre.  Chi  sinn  gu  bheil 
daoine  daonnan  air  taobh  Mhordecai's  a  choilich, 
's  an  aghaidh  Hamain  's  an  t-sionnaich ;  's  uaith  so 
tuigidh  sin  gu  bheil  cridhe  'n  duine  'cur  an 
aghaidh  foill  is  ceilg  is  slaightearachd.  Cha  'n 
'eil  co-fhaireachduinn  aig  an  t-saoghal  ri  duin' 
a  rinn  cron  dha  fhein  ann  a  bhi  feuchainn  ris  a' 
char  a  thoirt  a  duin'  eile,  's  tha  'n  saoghal  ceart. 
Gheibh  duin'  anns  an  t-saoghal  so  's  anns  an 
t-saoghal  eile  an  dearbh  ni  a  tha  e  toirt  seachad. 
Toimhsear  dha  leis  an  tomhas  a  bheir  e  seachad, 
's  ma  tha  e  tratach,  amharusach  cuilbheartach 
faodaidh  e  bhi  cinnteach  gu  'n  tig  an  car  as  fhein 
la  air  chor-eigin  's  gu  'm  bhi  e  air  a'  dhruim 
direach  'sa  pholl.  An  uair  a  chluinneas  tusa, 
leughadair,  gu  'n  do  rugadh  air  earball  air  gille 
nan  car,  abair — Mo  thogair  's  mo  thogair  a 
rithist. 


Air.  lO. 


1908. 


AM    MAIGHSTIR    COTHROMACH. 


Ge  b'e  ni  a  ta  ceart,  ghcibh  sibh  e.     Mata  xx.  /. 

Is  e  so  aon  de  na  tri  cosmhalachdan  anns  an  do 
labhair  Criosd  mu  'n  duals  a  tha  feitheamh  air 
luchd-oibre  na  Rioghachd.  An  uair  a  leughas 
sinn  an  naigheachd  an  toiseach  faodaidh  gur  h-e 
a'  cheud  smuain  a  thig  thugainn  nach  robh  e 
uile  gu  leir  ceart  gu  faigheadh  iadsan  nach 
d'oibrich  ach  uair  a  dh' iiine  uiread  tuarasdail 
riuthasan  a  ghiulain  uallach  agus  teas  an  latha. 
Ach  air  dhuinn  beachdachadh  oirre  ni'  s  fhaide 
tha  e  soilleir  gu  bheil  Criosd  a'  teagasg  gu'  n  do 
rinn  tighearn  a'  gharaidh  fhiona  ceartas,  's  cha'n 
a  eucoir,  Tha  'n  cosmhalachd  a'  teagasg  gu 
bheil  Uia  ceart,  gur  leir  dha  durachd  a'  chridhe 
cho  mhaith  ri  gniomh  na  laimhe,  gur  h-aithne 
dha  luach  gach  seirbhis,  's  gu  bheil  E  an  da 
chuid  ceart  agus  fialaidh. 

Tuigidh  sinn  an  cosmhalachd  ni 's  fhearr  ma 
sheallas  sinn  air  ais  air  a'  chaibideil  a  tha 
roimhe  so.  Tha  an  naoieamh  caibideal  deug 
a'  criochnachadh  le  facal  a  bha  gu  bitheanta  air 
bilean  Chriosd,  A  fa  moran  airthoiseach  a  bhiosair 
dheireadh,  agus  air  dheireadh  a  bhios  air  thoiseach. 
Is  ann  a  chur  soluis  air  an  f  hacal  so  a  labhair  Criosd 
cosmhalachd  a'  gharaidh  fhiona.  Mar  gu  'n 
abradh  E — Na  bithibh  an  duil  gu  faigh  a  h-uile 
seorsa  oibre  an  duais  mhor  air  an  do  labhair  mi, 
cha'n  e  maud  na  seirbhis  ach  an  dilseachd  's  an 
spiorad  anns  an  do  rinneadh  i  a  thoilicheas 
Tighearna  na  Rioghachd  ;  tha  an  seirbhiseach  a 
shaothraich  uair  a  dh'  iiine  's  a  rinn  'obair  le 
uile  chridhe  ann  a'  spiorad  a'  ghraidh  's  na 
h-irioslachd  ni  's  taitniche  dhasan  no  'n 
seirbhiseach  a  shaothraich  deich  uairean  ann 
a'  spiorad  feineil  's  air  ghaol  duaise.  Is  leis  an 
Tighearn  toimhsaan  agus  meidhean  cearta,  's 
cha  toir  Esan  d'a  Ifeir  an  cridhe  breith  eucorach. 

I.  Tha  an  cosmhalachd  so  a'  cur  soluis  air 
nadur  Dhe.  Tha  maighstir  a'  gharaidh  fhiona 
'na  shamhladh  air  Tighearna  na  Rioghachd. 
Bha  e  toileach  obair  a  thoirt  do  na  h-uile,  air 
cho  anmoch  's  gu  'n  tigeadh  iad.  Thug  e  aite 
dhaibhsan  a  thainig  's  a'  mhaduinn,  ach  thug 
e  aite  dhaibhsan  a  thainig  'san  fheasgar  mar 
an  ceudna.  Cha  do  dhiult  a  duine.  Bha  'n 
geata  fosgailte  fad  an  latha,  's  bha  'n  cuireadh 
farsuing.  Dh'  aidich  e  obair  nan  daoine  aig  an 
robh  moran  comais  is  beagan  durachd,  ach 
dh'  aidich  e  mar  an  ceudna  obair  nan  daoine 
aig  an  robh  beagan  comais   is  moran  durachd. 


Cha  b'  ann  air  maud  na  seirbhis  a  chuir  e 
cudthrom  ach  air  spiorad  is  riin  a'  chridhe.  Cha 
do  chord  na  seirbhisich  a  bha  feineil  is  gionach 
ris,  agus  fhreagair  a  gu  grad  is  gu  geur  iadsan  a 
thalaich  air  an  tuarasdal  's  a  rinn  gearan — A 
charaid,  cha  'n  'eil  mi  a'  deanamh  eucoir  ort, 
nach  do  chord  tliu  riuni  air  pheighinn,  tog  hat  do 
chuid  fein  agus  imich  romhad.  Ach  bha  a 
caomhal  agus  coir  riusan  a  thoisich  anmoch,  's 
a  rinn  an  obair  gu  dileas  's  gu  h-iriosal,  nach  do 
rinn  cordadh  ris  mu  thuarasdal  a  chionn  gu  robh 
earbs'  aca  'na  choiread  's  na  cheartas.  Bha  iad 
taingeil  aite  fhaotainn  idir  anns  a'  gharadh 
fhiona,  's  aig  deireadh  an  latha  fhuair  iad 
Maighstir  a'  gharaidh  cho  c6ir  's  cho  fialaidh  's 
a  bha  e  an  uair  a  leig  e  steach  iad.  Thug  a 
do  gach  fear  dhiu  a  pheighinn.  Bha  iad 
diomhain  a'  chuid  bu  mhotha  de  'n  latha  a 
chionn  nach  d'  fhuair  iad  cosnadh,  ach  fhreagair 
iad  gu  toileach  cho  luath  's  a  thainig  gairm  orra. 
Nan  d'  thainig  a'  ghairm  orra  's  a'  mhaduinn 
fhreagradh  iad  cho  aasgaidh  's  a  rinn  iad  aig  dol 
fodha  na  greine.  Bha  fhios  aig  Maighstir  a' 
gharaidh  air  a  sin,  agus  thug  a  breith  chothro- 
mach.  Tha  an  naigheachd  a'  cuir  soluis  air 
nadur  Dhe,  tha  trocair  is  firinn  a'  comhlachadh 
a  cheil'  innte,  tha  ceartas  is  caomhalachd 
a'  pogadh  beul  ri  baul.  Tha  Criosd  a'  teagasg 
anns  a  h-uile  cosmhalachd  is  facal  a  labhair  E 
riamh  gu  bheil  cridhe  Dhe  farsuing  mar  an  cuan, 
gu  'n  toir  E  gras  do  'n  iriosal  agus  cuideachadh 
do  'n  bhochd.  Ge  h-ard  an  Tighearna,  gidheadh 
scallaidh  E  air  an  iriosal ;  ach  aith7iichidh  E 
an  t-uaibhreach  fad  as.  Their  an  saoghal  gu 
bheil  Dia  air  taobh  na  laimhe  laidir,  gur  h-e  'n 
lamh  a  's  deise  is  treise,  's  nach  beir  an  t-anfhann 
ach  air  an  spruileach.  Ach  tha  facail  anns  a' 
BhiobuU  a  tha  calg-dhiraach  'na  aghaidh  sin. 
Glacaidh  am  bacach  a'  chobhartach.  Sealbhaich- 
idh  na  daoine  macanta  an  talamh  mar  oighreachd. 
An  ti  a  chailleas  a  bheatha,  iearnaidh  e  i.  Bha 
tri  smuaintean  sonruichte  air  an  d'  thainig 
Criosd  thairis  uair  is  uair  eile  do  bhrigh  gu 
robh  E  faotainn  tiachd  annta  : — 

An  ti  a  th'  air  dheireadh,  bidh  e  air  thoiseach. 

Fhuaradh  an  ni  a  bha  caillte. 

Ge  b'  e  dh' islicheas' e  fein,  arduichear  e. 

Tha  facail  mar  so  a'  cur  soluis  air  nadur  Dha. 
Gad  tha  Esan  ard,  tha  curam  aige  do  na  bacaich 
Gabhaidh  E  ri  daoine  aig  a'  bheil  deagh  chliu, 
ach  gabhaidh  E  mar  an  ceudna  riusan  a  chaill 
ancliu.  Gabhaidh  Egu  caomhal  riusan  ris  an  do 


38 


bha  'n  obair  mor, 
bha  'n  obair  beag 
aon    tuarasdal    aig 


chuir  an  saoghal  cul,  's  bheir  e  aite  'na  gharadh 
fiona  gus  an  aon  uair  deug. 

II.  Tha  ceartas  Dhe  ni  V  airde  no  ceartas 
dhaoine.  Bheir  maighstirean  saoghalta  seachad 
tuarasdal  a  reir  na  h-obrach  a  rinneadh.  Ma 
bidh  an  duais  mor,  's  ma 
bidh  an  duais  beag.  Tha 
an  laimh  chuimsich  agus 
tuarasdal  eile  aig  an  laimh  tbuathail.  Cha'n 
urrainn  dhaibh  an  durachd  a  ghabhail  an  aite  a' 
ghniomha.  Ach  cha'  n'  eil  Dia  air  a  chumhan- 
nachadh  anns  an  doigh  sin.  Is  leir  dhasan  gu 
de  a  dheanadh  daoine  nan  robh  cothrom  aca 
air  reir  an  durachd,  's  tha  E  'na  mhaighstir 
caomhal  dhaibhsan  nach  d'  fhuair  ach  beagan 
cothroira.  Cha  'n  ann  leis  an  aon  tomhas  a 
thomhseasDiaah-uileduineaiglaa'bhreitheanais. 
Bidh  iadsan  nach  d'  fhuair  an  lagh  'nan  lagh 
dhaibh  fhein,  agus  is  e  an  dearbhadh  a  chuirear 
air  na  h-uile — an  tomhas  anns  an  do  ghabh  iad 
ris  a?i  t-solus  a  tkainig  g'  a  n-io/insuidh.  Is  e  so 
an  diteadh  gu  'n  d'  thainig  an  solus  do  'n 
t-saoghal,  agus  gu'n  do  ghradhaich  daoine  an 
dorchadas  ni  's  mo  na  'n  solus — Eoin  Hi.  ig. 
Bheir  Dia  fanear  an  obair  a  rinn  daoine,  ach 
bheir  E  fanear  mar  an  ceudna  na  duileadasan  a 
bh'  aca  r'  a  chothachadh  ;  seallaidh  E  air  an 
airde  a  rainig  iad  ach  seallaidh  E  mar  an  ceudna 
air  an  doimhneachd  o 'n  d'eirich  iad.  Cha'n 'eil 
an  aon  chothroni  aig  na  h-uile  ann  an  reis  na 
beatha,  's  do  bhrigh  nach  'eil  daoin'  a'  toiseach- 
adh  air  an  reis  cas  ri  cois,  cha  ruigear  a  leas  a 
bhi  'n  duil  gu  'n  criochnaich  iad  cas  ri  cois.  Ma 
tha  aon  duine  luath  laidir  's  duin'  eile  mall 
bacach,  faodaidh  nach  ann  aige  fhein  a  tha 
chliu  no  choire  sin  ach  aig  a  sheanair.  Cha  'n  'eil 
e  furasda  do  'n  duine  aig  a'  bheil  droch  fhuil 
'na  chuinlean  a  bhi  cho  maith  ris  an  duin'  a 
thainig  o  phor  glan.  Tha  iomadh  a  h-aon  air  a 
bhreith  le  clach  mhuilinn  mu  'amhaich,  agus  b'  e 
miorbhuil  a  bhiodh  ann  nan  cumadh  e  'cheann 
an  uachdar.  Anns  a  h-uile  priosan  'san 
rioghachd  tha  daoine  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  'nan 
naoimh  nan  d'  fhuair  iad  cothrom  'nan  oige. 
Ach  rugadh  is  thogadh  iad  am  measg  misg  is 
aindiadhaidheachd  is  graineileachd,  gun  iomradh 
air  Dia  no  suim  d'  a  lagh,  's  do  bhrigh  nach 
d'  fhuair  iad  an  cothrom  a  fhuair  sinne  cha  bhi 
uidhir  air  iarraidh  orra.  Oir  a  ta  Dia  ceart, 
agus  is  aithne  dha  nithean  diomhair  gach  beatha. 
Is  iomadh  saighdear  a  chaill  an  latha,  a  bha 
cheart  cho  gaisgeil  ris  an  fhear  a  thug  a  mach 
buaidh.  Cuiridh  an  saoghal  cudthrom  air  a' 
bhuaidh,  ach  cuiridh  Dia  cudthrom  air  an 
oidhirp  a  rinn  an  saighdear.  Faodaidh  duine  'n 
latha  chall,  agus  fathast  an  oidhirp  a  rinn  e  bhi 
ni 's  cliutiche  an  lathair  Dhe  no  buaidh  duin'  eile. 
Faodaidh  uiread  dilseachd  agus  oidhirp  mhoralta 
agus  airidheachd  spioradail  a  bhi  ann  an  obair 
nan  daoin'  a  fhuair  a'ghairm  anmoch,  's  a  bhios 


ann  an  obair  nan  daoine  a  fhuair  a'  ghairm 
moch  air  mhaduinn.  Cha  mhaigstir  cruaidh 
Dia;  cha  'n  iarr  e  air  a  sheirbhisich  clacha 
creadha  dheanamh  gun  chonlaich,  's  cha  bhi 
fiuthair  aige  foghar  f  haotainn  far  nach  do  chuir  E. 
Bheir  E  ceartas  do  na  h-uile  agus  gheibh  gach 
aon  u  pheighinn.  Dh'  fhag  E  aig  an  eaglais  na 
seirbhisich  a  ghairm,  ach  ghleidh  E  'na  laimh 
fhein  an  tuarasdal  a  thoirt  dhaibh. 

III.  Aidichidh  Dia  an  i-seirbhis  a  's  lugha. 
Is  maith  do  'n  t-saoghal  gu  'n  dean  e  sin  oir  tha 
na  daoin'  aig  a  bheil  aon  talann  moran  ni  's 
lionmhoire  no  na  daoin'  aig  a  bheil  cuig.  Is 
mor  an  rud  e  a  radh  mu  dhuine  sam  bith  gu 
bheil  e  firinneach  anns  a'  bheagan.  Ann  an 
aon  seadh,  cha  bu  chor  dhuinn  na  facail  beag  is 
mor  a  chleachdadh  idir  mu  nithean  spioradail. 
Faodaidh  duin'  a'  cheart  spiorad  a'  nochdadh 
anns  an  dleasdanas  a's  lugha  's  a  nochdas  e  ann 
an  obair  a  thairngeasairedhaoine'gah-ionnsuidh. 
Tha  duine  da-rireadh  naomh  an  uair  a  ni  e 
gach  dleasdanas  a  thachras  air — beag  is  mor — 
ann  a'  spiorad  Chriosd.  Tha  gloir  Dhe  r' a 
fhaicinn  ann  an  nithean  beag  mar  ann  an  nithean 
mora.  Tha  chaoimhneas  cho  driiidhteach  r'  a 
chumhachd.  Tha  na  miltean  saoghal  air  curam 
Dhe,  ach  feithidh  E  ri  aon  chridhe  brist  a 
leigheas.  Tomhsidh  E  na  h-uisgeachan  ann  an 
glaic  a  laimhe  agus  sinidh  E  mach  na  neamhan 
le  reis,  ach  cha  'n  'eil  e  os  cionn  a  chluas  a 
chroraadh  ri  glaodh  aon  truaghain,  's  a  ghairdean 
a  shineadh  'ga  chuideachadh.  Bha  'n  saoghal 
uile  aig  Mac  Dhe  r'  a  shaoradh  's  r'  a  chosnadh, 
ach  dh'  fhan  E  ri  gniomharan  trocaireach  a 
dheanamh  ri  iomadh  a  h-aon  d'  a  cho- 
chreutairean  nach  cualas  riamh  iomradh  air  an 
ainm.  Am  measg  na  feadhnach  a  mhol  E,  's  a 
mheas  e  airidh  air  an  gniomh  a  ghleidheadh  air 
chuimhne,  bha  'bhean  a  dh'  ung  a  cheann  's  a' 
bhanntrach  a  thilg  da  bhonn  bheag  ann  an  aite 
coimhid  an  ionmhais.  Tha  mi  'n  duil  gu  'n  do 
mhol  Criosd  an  da  ghniomh  so  chum  misneach 
is  comfhurtachd  a  thoirt  dhaibhsan  aig  nach  'eil 
ach  aon  talann,  's  nach  d'  fhuair  a  ghairm  do  'n 
gharadh  fhiona  gu  feasgar.  Riusan  a  bhios 
dileas  anns  a'  bheagan,  's  a  ni  an  obair  gu  dileas 
durachdach,  ann  an  spiorad  na  h-irioslachd  's  a' 
ghraidh,  cha  'n  ann  air  ghaol  duaise  ach  air 
ghaol  am  Maighstir,  abraidh  Tighearna  na 
Rioghachd  aig  deireadh  an  latha — Is  maith  a 
fhuaras  tu,  a  dheagh  sheirbhisich,  thigh  a  steach 
do  aoibhneas  do  Thighearn. 

Carson  a  ta  sibh  'nur  seasainh  fad  an  latha 
diomhanach  ?  Tha  Dia  ag  iarraidh  na  h-uile 
dhaoine,  's  cha  bhi  'aoibhneas  Ian  gus  a 
faigh  E  iad.  Tha  'ghairm  a  tigh'nn  thugainn 
anns  a'  mhaduinn  's  tha  i  tigh'nn  thugainn 
anns  an  fheasgar.  Tha  ait'  aige  do  na  seann 
daoine  's  do  na  daoin'  oga  's  cha  diult  e 
neach    sam    bith,    oir    mar    is    beo    mi,    deir 


39 


an  Tighearna,  cha  'n  'eil  tlachd  again  ami 
am  has  an  aingidh.  Is  fhearr  toiseachadh 
anmoch  no  gun  toiseachadh  idir  ach  is  e 
'mhaduinn  an  t  am  taitneach  Tha  'n  sean 
fhacal  ag  radh  nach  'eil  ann  an  aithreachas 
criche  ach  a  bhi  cur  sil  mu  'n  Fheill  Martainn. 
Ach  is  fhearr  facal  Dhe  no  'n  sean  fhacal  agus 
is  e  facal  Dhe — An  ti  a  thig  'am  ionnsutdk-sa, 
cha  tilg  mi  air  chor  sam  bith  a  mach  e. 


DOMHULL    NAN    DAMH. 


An  cual  thu  riamh,  a  leughadair,  sgeulachd 
Dhomhuill  nan  damh  ? 

Bha  Domhull  is  triur  eile  ann  am  pairt  mu 
fheurach.  Bha  ceithir  daimh  aig  Domhull  ach 
cha  robh  aig  each  ach  a  dha,  's  bhiodh  iad 
daonnan  a'  gearan  gu  robh  e  ag  itheadh  an  cuid 
feoir.  Cha  robh  Domhull  a'  leagadh  air  gu 
robh  e  'gan  cluinntinn.  Mu  dheireadh  thall 
chuir  iad  romhpa  oidhche  shonruichte  dithis  de 
na  daimh  aige  mharbhadh.  Latha  de  na 
laithean  an  uair  a  thug  Domhull  sgriob  a 
shealltuinn  feuch  an  robh  na  daimh  reamhar, 
fhuair  e  dithis  dhiu  marbh.  Mata  ars'  esan  ris 
fhein,  "  bu  mhor  sibh  's  bu  cheutach  sibh,  ach 
mur  dean  sibh  margadh  ni  sibh  annlann,"  's  leis 
a  sin  dh'  fheann  e  iad.  Beagan  'na  dheigh  so 
chaidh  e  do'n  bhaile  mhor  a  reic  nan  seicheanan, 
ach  cha  do  chuir  e  as  a  dheigh  ach  leth  an 
astair  an  uair  a  theirig  an  latha  's  a  thainig  an 
oidhche.  Shuidh  e  aig  bonn  creige,  's  chuir  e 
na  seicheanan  mu  cheann  is  chaidil  e.  Chual  e 
stioram  staram  air  na  seicheanan  cruaidh  is 
dhuisg  e.  Gu  de  bha  sid  ach  druide  gheal,  's 
chuir  e  mach  a  lamh  is  rug  2  oirre.  Ann  an 
glasadh  an  latha,  phaisg  e  na  seicheanan  is 
dh'  fhalbh  e.  Thachair  duin'  uasal  air  's  thuirt 
e  ris — gu  de  a  th'  agad  fo  d'  achlais,  a  Dhomh- 
uill ?  Tha,  ars'  esan,  eun  geal  a  ni  fiosachd, 
nach  innis  breug  's  nach  ceil  firinn.  Anns  a' 
mhionaid  sin  fhein  thoisich  an  druid'  air 
feadaireachd.  Gu  de  tha  i  'g  radh  ars'  an 
duin'  uasal.  Tha  i  'g  radh  rium,  arsa 
Domhull,  gu  bheil  toil  agaibh-se  a  ceannach,  's 
gu  'n  d'  toir  sibh  da  cheud  bonn  oir  oirre.  Is 
fiosaiche  an  t-eun  da-rireadh,  ars'  an  duin'  uasal, 
oir  tha  e  'nam  inntinn  a  ceannach  ged  nach 
robh  fhios  agam  gu  de  bu  chor  dhomh  thairg- 
sinn  dhuit,  ach  gabhaidh  mi  an  druid  aig  a  facal 
fhein.  Cheannaich  e  i,  's  thug  e  dhachaidh  i, 
ach  cha  do  labhair  i  smid  gu  brath  tuilleadh. 

An  uair  a  bha  Domhull  a'  cur  an  oir  's  a 
chistidh  an  oidhche  sin  co  thainig  a  steach  ach 
na  feadhainn  a  mharbh  na  daimh.  Gu  de  an 
sgeul  a  thug  thu  as  a'  bhaile  mhor,  ars'  iadsan  ? 
Tha,  ars'  esan,  nach  'eil  meas  air  feoil  ach  pris 
mhor  air  seicheanan  ;  tha  mi  'n  duil  an  da 
dhamh  donn  a  mharbhadh.  Cha  d'  thuirt  iad 
dad  aig  an  am,  ach  an  oidhche  sin  mharbh  iad 


an  daimh  fhein,  's  ma  'n  d'  eirich  grian  's  ma  'n 
do  thogadh  smiiid  chuir  iad  an  aghaidh  air  a' 
bhaile  mhor,  's  na  seicheanan  air  an  guailnibh. 
Chaidh  iad  troimh  'n  bhaile,  a'  glaodhach  aird 
an  cinn — co  chean?iaicheas  seiche  daimh.  Mu 
dheireadh  thoisich  muinntir  a  bhail'  air  gaireach- 
duinn  's  air  magadh  orra,  's  an  uair  a  chunnaic  iad 
gu  robh  'n  car  air  a  thoirt  asda  thill  iad  dhachaidh. 

Sin  agad,  a  leughadair,  sgeulachd  Dhomhuill 
nan  damh  mar  a  chuala  mis'  i,  ach  ma 
dh'  fheoraicheas  tu  a  bheil  mi  fhein  'ga  creidsinn, 
iarraidh  mi  ort  mo  lethsgeul  a  ghabhail  's  gun 
fiuthair  a  bhi  agad  ri  freagairt.  Mur  robh 
Domhull  nan  damh  air  a'  bheil  an  naigheachd 
a'  deanamh  iomraidh  riamh  ann,  tha  iomadh 
Domhull  ann  a  tha  gle  choltach  ris,  agus  tha 
sliochd  na  feadhnach  eile  beo  fhathast  mar  an 
ceudna.  Tha  e  air  uairean  duilich  a  radh  gu 
de  bha  'san  amharc  acasan  a  chuir  an  altaibh  a 
cheile  na  seann  sgeulachdan  so,  no  gu  de  an 
leasan  no  'n  gliocas  a  bu  mhaith  leo  sinn 
fhoghlum  uapa.  Faodaidh  gu  robh  iad  air  an 
cur  r'a  cheile  an  toiseach  a  chionn  gu  robh  na 
seana  Ghaidheal  a'  gabhail  tlachd  ann  a  bhi 
leigeil  ruith  le  mac  meamna  an  inntinn,  's  a 
chionn  gu  robh  an  saoghal  anns  an  robh  iad  a 
tighinn  beo  ro  chumhann  airson  nam  buadhan 
inntinn  a  bh'  aca.  Tha  sin  fior  ann  an  tomhas, 
ach  aig  a'  cheart  am  cha  'n  'eil  na  sgeulachdan 
cho  faoin  no  cho  gorach  'sa  tha  moran  dhaoin' 
an  duil,  oir  gabhaidh  teagasg  a  thoirt  asda  nach 
ruig  eadhoin  daoine  pongail  mar  tha  thu  fhein, 
a  leughadair,  a  leas  a  chur  an  suarachas.  Ma 
dh'  fhaoite  nach  fhaic  fear  na  hinntinn  litireil 
gu  bheil  seadh  sam  bith  annta,  ach  is  iomadh 
deagh  rud  agus  gliocas  ard  air  nach  ruig  esan. 
Tha  e  mar  gu  'm  biodh  duine  bodhar,  dall  's  ged 
a  labhras  tu  ris  ann  an  cosmhalachdan  cha'n 
fhaic  e  's  cha  tuig  e.  Ged  nach  'eil  sgeulachdan 
mar  tha  Domhull  nan  damh  a'  breith  airamhaich 
ort 's  'gad  theagasg  mar  ni  am  ministear,  tha  iad 
ag  iarraidh  ort  breugan,  is  tratan  is  naimhdeas 
is  Ion  is  uilc  eile  sheachnadh  agus  firinn  is 
ceartas  is  onoir  is  sith  a  leantuinn.  Tha  facal 
Dhe  ag  innseadh  dhuinn  gur  he  gaol  an  airgid 
freumh  gach  uilc,  agus  tha  'n  sgeulachd  so  mar 
gu  'm  biodh  seorsa  searmoin  air  a'  cheann 
teagaisg  sin.  Tha  i  a'  deanamh  di-moladli  air 
sannt,  's  a  nochdadh  gu  bheil  a  pheanas  fhein 
an  lorg  gach  uilc,  gu  'n  tig  iadsan  a  tha  sanntach 
gu  droch  dheireadh,  's  gu  'n  tig  an  car  uaireigin 
a  gille  nan  car. 

Tha  tri  seorsachan  dhaoine  air  an   cur  far 
comhair  anns  an   sgeulachd  so  agus  ged  nach 
'eil  a  h-aon  dhiu  r'a  mholadh  tha  cuid  dhiu  a's 
fhearr  no  each.     Is  iad  na  seorsachan  sin  : — 
Duine  gun  gho  ach  car  bog. 
Duine  laidir,  lonach,  deas-bhriathrach  ach   car 

tratach. 
Dui7ie  dona,  farmadach  ach  Ian  naimhdeis. 


40 


I.  Tha  mi  'gan  cur  anns  an  ordugh  anns  an 
cor  dhaibh  seasamh  a  thaobh  am  maitheis.  Cha 
robh  anns  an  duin'  uasal  a  cheannaich  an 
druide  gheal  ach  an  dearg  bhurraidh,  ach  is  ann 
dha  fhein  a  bha  chall  sin  's  cha  'n  ann  do 
dhaoin'  eile.  Cha  'n  urrainn  sinn  a  bhi  ro 
throm  air  duine  nach  deanadh  olc  no  eucoir  air 
a  choimhearsnach  airson  an  t-saoghail,  ged  a 
dh'  fhaodas  e  bhi  amaideach  gu  leor  dha  fhein. 
Chreid  an  duin'  uasal  na  breugan  a  dh'  innis 
Domhull  nan  car  dha,  agus  ged  a  ni  thusa,  a 
leughahair,  fanoid  air,  is  suarach  an  fhaihng 
ann  an  duine  gu  bheil  e  deas  gu  facal  duin'  eile 
chreidsinn.  Tha  earbsa  moran  ni 's  ion-mholta 
no  amharus,  agus  ged  a  chaill  am  fear  so  an 
t-airgiod  gun  dad  air  a  shon  ach  druide  bhalbh, 
b'  fhearr  leam  a  bhi  'na  chota  aig  deireadh  an 
latha  no  ann  an  cota  Dhomhuilj.  Ach  air  a 
shon  sin,  cha  'n  'eil  an  duin'  uasal  uile  gu  leir 
r'  a  mholadh.  Faodaidh  duin'  a  bhi  gleusta  gun 
bhi  amharusach  agus  a  bhi  gun  ghb  ged  nach 
biodh  e  'na  dhaor  amadan.  Ma  chreideas  tusa, 
leughadair,  a  huile  facal  a  chluinneas  tu,  creid- 
idh  tu  iomadh  uair  na  tula  bhreugan  ;  's  ma 
bheir  thu  geill  de  sgeamlain  nan  Domhull  a 
thachras  ort  aig  an  fhaidhir  Mhuilich  's  ann  an 
iomadh  ait'  eile,  thig  thu  dhachaidh  gu  d'  mhnaoi 
la  air  chor-eigin  is  druide  gheal  fo  d'  achlais. 
Agus  CO  a  theireadh  ri  bean  an  tighe  gu'm  b'olc 
a  rinn  i,  ged  a  gheabhadh  tusa  ruith  do  'n 
teangaidh  !  Tha  deifir  mor  eadar  a  bhi  gun  gho 
agus  a  bhi  gun  ttir,  agus  mur  h-eile  tomhas 
cuimseach  a  thur  aig  duine  cha  mhor  a's  fhiach 
e.  Is  suarach  an  cliu  air  fear  sam  bith  gu  bheil 
e  furasd'  an  car  a  thoirt  as,  's  gu  'n  creid  e 
rud  nach  'eil  coltach  a  chionn  gu  'n  cuala 
no  gu  'n  do  leugh  e  e.  An  uair  a  their  sinn 
gu  bheil  cridhe  duine  ni 's  fhearr  na  cheann,  is" 
e  tha  sinn  da-rireadh  a'  ciallachadh  gu  bheil  e 
e  car  faoin  is  bog.  Mu  dheighinn  tur  inntinnis 
simplidheachd  cridhe  is  e  theirinn  gur  maith  le 
cheil  iad.  Cha  'n  'eil  ann  an  duine  gun  phonga- 
lachd  ach  leth  duine.  Cuimhnich  thusa,  a 
leughadair,  gu  bheil  gu  leor  a  dhaoine  leis  am 
bu  mhaith  druide  gheal  a  reic  riut. 

II.  Ged  nach  'eil  Domhull  r'a  mholadh  cha'n 
urrainn  sinn  gun  car  de  mheas  a  bhi  againn 
air  a  sheoltachd  's  a  ghleustachd.  Cha  'n 
'eil  so  a'  ciallachadh  gu  bheil  sinn  a'  moladh  a 
ghniomharan.  Is  docha  nach  abradh  tu  fhein 
gu  robh  dol  a  mach  Rob  Ruaidh  'Ic  Griogair 
uile  gu  leir  ceart,  ach  ann  an  grunnd  do  chridhe 
tha  car  a  thaoibh  agad  ris,  's  tha  meas  agad  air 
airson  a  sheoltachd  's  a  luaths,  's  a  laidireachd. 
An  uair  a  ni  duin'  innleachdach  cron  'sa  bheir  e 
le  ghleustachd  diilain  do  neart  an  lagha  chur 
an  sas,  cha  'n  'urrainn  thu  gun  meas  a  bhi  agad 
air  a  sheoltachd,  ged  a  dhiteas  tu  an  t-olc  a  rinn 
e.  Is  e  a  's  reusan  dha  sin  gur  toigh  leinn 
luaths  is  neart  is  geireid  is  misneach  air  an  sgath 


fhein.  Cha'  n'  eil  teagamh  nach  robh  daimh 
Dhomhuill  ag  itheadh  feur  chaich,  's  nach  robh 
Domhull  fhein  mar  tha  feadhainn  eile  aig  a 
bheil  barr-sumaidhaircaitcheann,caoin-shuarach. 
Cha  robh  e  coguiseach  agus  bha  e  gle  thoileach 
cuid  an  fhir  laig  a  bhi  aig  an  fhear  laidir. 
Ghabh  e  maith  an  fheoir  cho  fad  'sa  mhair  e, 
agus  an  uair  a  chaill  e  an  da  dhamh,  cha 
deachaidh  e  'na  bhreislich  mar  theid  moran  ri 
aghaidh  mi-fhortain,  ach  gun  fantainn  ri  dol  a 
throd  ris  na  droch  choimhearsnaich  a  mharbh 
iad  (ged  bha  fhios  aige  gur  h-iad  a  rinn  e)  thug 
e  dhiu  na  seicheanan  is  shaill  e  'n  fheoil. 
B'  aithne  dha  a  theanga  chumail  's  cha  'n 
amadan  an  duine  da'n  aithne  sin.  Cha  robh 
fios  aige  'nuair  a  dh'  fhag  e  'n  tigh  a  reic  nan 
seicheanan  gu  de  bha  ri  tachairt  air,  ach  tha 
gleustachd  an  duine  ri  fhaicinn  anns  an  doigh 
anns  an  do  ghabh  e  cothrom  air  an  eun  's  air  an 
duin'  uasal.  B'  fhearr  leis  buannachd  no  'n 
fhirinn,  's  cha  robh  naire  sam  bith  air  gu  'n  tug 
e  'n  car  as  an  duin'  ionraic  eile.  B'  e  gaol  an 
airgid  dhasan  freumh  an  uile.  Ach  cha  b'  ann 
air  ghaol  airgid  ach  air  gliaol  dioghaltais  a 
dh'  innis  e  na  breugan  d'a  choimhearsnaich  agus 
bha  sin  ni  bu  mhiosa.  Cha'n'e  mhain  gu 'n  tug 
e  orra  call  a  dheanamh  dhaibh  fhein  ach  rinn  e 
iad  'nan  aobhar  magaidh  do  sgonn-bhalaich  a' 
bhaile  mhoir.-  O  Dhomhuill,  a  Dhomhuill,  tha 
thusa  luath  laidir,  deas-bhriathrach,  tha  t-inntinn 
neo  ar-thaing  's  cha  tig  dad  gun  fhiosd  ort,  cha 
chuir  bean  no  coimhearsnaich  'nad  aghaidh  oir 
tha  fhios  aca  nach  ruig  iad  a  leas,  ach  air  cho 
gleusta  's  ga  bheil  thu,  's  air  cho  maith  'sa  tha 
na  breugan  's  na  tratan  a  paigheadh  dhuit, 
cha  'n  'eil  annad  ach  duine  gun  choguis,  gun 
fhirinn,  gun  cheartas.  Ged  a  bhios  eagal  aig 
daoine  romhad,  ni  iad  tair  ort  'nan  cridhe. 

III.  Thug  mi  an  t-ait  a's  isle  dhaibh  so  a 
chionn  gu  robh  iad  an  da  chuid  faoin  agus  olc. 
Bha'n  duin  uasal  faoin  ach  ionraic,  bha  Domhull 
olc  ach  cha  robh  e  faoin,  ach  cha  robh  iad  so 
glic  mar  na  nathraiche  's  cha  mho  a  bha  iad 
neo-chronail  mar  na  columain.  Dhearbh  iad 
gu  robh  iad  gun  tiir  an  uair  a  thug  iad  geill  do 
naigheachd  air  nach  robh  dreach  na  firinn,  's 
dhearbh  iad  gu  robh  iad  guineach  naimhdeil  an 
uair  a  mharbh  iad  daimh  Dhomhuill.  Is  ann  air 
an  oidhche  a  rinn  iad  sin  oir  is  toigh  le  luchd 
deanamh  na  h-eucorach  an  dorchadas.  Ach  tha 
suilean  Dhe  mar  gu  'm  biodh  mile  coinneal  agus 
rannsaichidh  e  nithean  diomhair  an  dorchadais. 
Cha  'n  urrainn  beannachd  Dhe  a  bhi  thairis  air 
beatha  dhaoin'  a  tha  gun  choguis,  gun  fhirinn 
gun  cheartas,  Ian  farmaid  is  naimhdeis.  ladsan 
a  bheannaichear  his  an  Tighea?-?i,  mealaidh  iad 
an  ialamh,  agus  iadsan  a  inhallaichear  leis, 
gearrar  as  iad.  Tlioir  fa^near  an  duine  foirfe 
agus  amliairc  air  att  -duine  ionraic,  oir  is  i  sitii 
a  's  crioch  do  'n  duine  sin. 


Air    11. 


1908. 


AN   DIADHAIR    EOIN. 


Neach  a  h'  ionmhmnn  le  losa  : — EoiN  xiii,  23. 

Cha'n  'eil  a  h-aon  eile  de  na  h-abstoil  aig  a 
bheil  oisein  cho  blath  ann  an  cridhe  nan  creid- 
mheach  's  a  th'  aig  an  abstol  Eoin.  jCha'  n  'eil 
sin  iongantach  oir  fhuair  e  oisein  blath  ann  an 
cridhe  Chriosd  fhein  ann  an  laithean  'fheola. 
Ma  dh'  fheoraichear  carson  a  bha  e  air  a  thagh- 
adh  a  measg  chaich  gu  bhi  'na  chuspair  gaoil  do 
Chriosd,  cha  'n  urrainn  sinn  a  radh  ach  gur 
cinnteach  gu  robh  ni  air  chor-eigin  ann  am 
pearsa  's  an  gne  an  duine  a  tharruing  gradh  an 
t-Slanuigheir  'ga  ionnsuidh.  Tha  cuid  a  dhaoin' 
ann  a's  docha  leinn  na  cheile.  Tha  cuid  a 
lihaoin'  ann  nach  urrainn  sinn  a  ghradh- 
achadh  ged  a  dh'  aidicheas  sinn  gur  daoine 
fiachail  iad,  's  tha  daoin'  eile  ann  nach  urrainn 
sinn  gun  ghaol  a  bhi  againn  orra  ged  is  leir 
dhuinn  gu  leor  a  dh'  fhailingean  annta.  Is  ann 
mar  sin  a  thachair  do  Eoin.  Cha  robh  e  iomlan 
ni's  mo  na  each  ;  bha  Peadar  a  cheart  cho  blath- 
chridheach  ris,  bha  Pol  a  cheart  cho  eudmhor  ris, 
bha  Nataniel  a  cheart  cho  ciuin  ris,  ach  bha 
ni  air  chor-eigin  'na  aodann  's  'na  nadur  a  dhuisg 
gaol  air  ann  an  cridhe  Chriosd. 

Ged  a  bha  coig  de  leabhraichean  an  Tiom- 
naidh  Nuaidh  air  an  sgriobhadh  le  Eoin,  is 
suarach  na's  aithne  dhuinn  mu  eachdraidh  a 
bheatha.  Cha  d'  thug  e  iomradh  air  fhein  ach 
ainmic.  Cha  b'ann  a  thoirt  fianuis  uime  fhein 
a  thug  e  lamh  air  a'  pheann,  ach  a  thoirt  fianuis 
rau'n  Fhacal  a  rinneadh  'na  fheoil,  chum  gu'n 
creideadh  an  saoghal  gu'm  b'  Esan  an  solus  fior, 
anns  an  robh  gloir  Dhe  a'  gabhail  comhnuidh. 

Tha  e  coltach  gu  robh  curam  anma  air  a 
dhusgadh  ann  an  Eoin  le  searmonachadh  a' 
lihaistich, 's  gu  robh  chridhedeas  airson  Chriosd 
an  uair  a  thainig  E  gu  abhainn  lordain  's  a 
shearnionaich  E  soisgeul  na  Rioghachd.  Bha 
briathran  a'  Bhaistich  dha  mar  fhuaim  na  tromp- 
aid  's  mar  thairneanaich  an  lagha,  ach  bha 
briathran  Chriosd  dar  mar  fhrasan  blath  air  an 
fheur  og.  Cha  do  smuainich  cridhe  Eoin  aig 
an  am  so  air  an  trdm-chudthrom  gloire  a  bha  gu 
bhi  air  fhoillseachadh  dha  mu'm  fagadh  e  an 
.saoghal,  ach  o'n  latha  anns  an  do  ghlac  losa  an 
toiseach  e,  dh'  fhan  e  mailie  ri  Mac  an  duine  'na 
liheuchainnibh  's  cha  d'  fhailnich  a  dhilseachd 
no  ghradh.       Bha  e  mailie  ris  an  Galile  's  na 


Jerusalem,  chunnaic  e  na  h-oibrichean  miorbh- 
uileach  a  rinn  E,  chual  e  na  briathran  grasmhor 
a  labhair  E,  's  le  sealladh  a  shula  's  le  eisdeachd 
a  chluaise  dh'  abaich  a  chreidimh  gus  mu  dheir- 
eadh  an  d'  thuirt  e  Ian  dearbhachd  's  le  gair- 
deachas  mor — Chunnaic  mi  a  ghloir  mar  ghloir 
aoin  ghin  Mhic  an  Athar.  Ged  nach  d'  innis 
Eoin  dhuinn  uiread  mu  bheatha  Chriosd  air 
thalamh  'sa  rinn  na  soisgeulaichean  eile,  cha  b' 
ann  a  chionn  nach  robh  fhios  aig'  air  na  nithean 
air  an  do  rinn  iadsan  iomradh.  A  ta  moran  de 
nithibh  eile  a  rinn  losa,  agus  nam  biodh  iaduile 
sgriobhta,  is  i  mo  bharail  nach  cumadh  an 
saoghal  fein  na  rachadh  a  sgriobhadh  de  leabh- 
raichean. Eoin  xxi.,  25.  Do  bhrigh  nach  b' 
urrainn  dha  iomradh  a  dheanamh  air  a  h-uile 
rud,  thagh  e  na  briathran  's  na  gniomharan  sin 
a  bha  e  'n  duil  a  bheireadh  air  a  luchd-leughaidh 
a  chreidsinn  gu'm  b'e  losa  :Mac  Dhe.  Sheall 
each  air  Criosd  o'n  taobh  a  muigh  ^aeh  sheall 
esan  air  o'n  taobh  a  stigh,  agus  anns^a.  h-uile 
leabhar  a  sgriobh  e,  is  e  diadhachd  Chriosd  an 
ceann-teagaisg — toiseach  is  meadhon  is  deireadh 
a  shearmoin.  Bha  e  mailie  ri  Criosd  aig  na  h- 
amanan  a  bu  sholuimte  'na  bheatha — air  beinn  a' 
chruth-atharrachaidh.ann  an  garadh  Ghetsemani, 
anns  an  t-seomar  uachdrach,  agus  anns  na  h- 
ionadan  naomha  sin  chunnaic  e  earlais  de'n 
ghloir  a  bha  ri  bhi  air  fhoillseachadh  dha  'na 
lanachd  anns  na  laithean  deireannach.  Bha  e 
comhla  ri  Criosd  aig  a'  chuirm  naoimh  a  mhiann- 
aich  E  itheadh  mailie  ri  dheisciobuil  roimh  dha 
fulang,  agus  chual  e  na  briathran  deireannach  a 
labhair  Mac  an  duine — briathran  cho  domhain 
's  cho  brioghmhor,  cho  Ian  grais  is  firinn  's  gu 
bheil  iad  'nan  aran  beatha  do'n  t-saoghal  o'n 
latha  sin  gus  an  diugh.  An  uair  a  leag  Eoin  a 
cheann  air  uchd  an  t-Slanuigheir,  bha  e  mar 
gu'm  biodh  e  air  a  thogail  suas  air  beinn  an 
Tighearn  far  an  do  bhlais  e  de  nithibh  blasda 
Ian  de  smior  's  a  dh'  fhion  aosda  air  a  dheagh 
tharruing. 

Bha  e  'na  shuil  f  hianuis  mar  an  ceudna  air 
bas  an  t-Slanuigheir  's  air  dha  a  bhi  dliith  do  'n 
chrann-cheusaidh  chunnaic  e  sealladh  iongantach 
nach  faca  suil  eile — co  dhiu  cha  d'  thug  each 
riamh  tarruing  air.  Ach  lot  fear  de  na  saighd- 
earan  a  thaobh  le  sleagh,  agus  air  ball  thainig  a 
machfuil  agus  uisge.  Agus  thug  an  ti  a  chunn 
aic  sin  fianuis,  agus  a  ta  fhianuis  firinneach. 
Eoin  xix.,  34.  Cha  do  dhi-chuimhnich  Eoin  an 
sealladh    ud   gu    brath,    agus   anns   an    litir    a 


■42 


sgriobh  e  'na  sheann  aois  tha  e  tighinn  thairis 
air — Is  e  so  esan  a  thainig  tre  uisge  agus  tre 
fhuil,  losa  Criosd ;  cha'n  e  tre  uisge  a  mhain, 
ach  tre  uisge  agus  fuil :  agus  is  e  an  Spiorad  a 
111  fianuis,  do  bhrigh  gur  firinn  an  Spiorad. 
I.  Eoin  v.,  6.  B'  ann  air  curam  an  deisciobuil 
ghaolaich  so  a  dh'  fhag  losa  a  mhathair,  agus 
tha  e  gle  choltach  nach  d'  fhag  Eoin  lerusalem 
gu  deigh  a  bais.  Ach  an  uair  a  shiubhai]  Muire, 
's  a  bha  e  saor  o'n  bh6id  a  ghabh  e  cho  toileach 
'sa  ghleidh  e  cho  dileas,  dh'fhag  Eoin  lerusalem 
's  thoisich  e  air  saothrachadh  ann  an  aobhar  an 
t-soisgeil.  Cha'n  urrainnear  a  radh  le  cinnt  sam 
bith  gu  de  an  cearn  de'n  t-saoghal  air  an  do 
(  huir  e  'aghaidh,  ach  air  reir  beul-aithris  na  h- 
Eaglais  chuir  e  seachad  aireamh  bhliadhnachan 
an  Ephesus.  Carson  a  dh'  fhag  e  Ephesus 
cha'n  urrainn  sinn  a  radh,  ach  ann  an  leabhar 
an  Taisbeanaidh  tha  sinn  a'  leughadh  gu  robh  e 
ann  an  eilein  Phatmois.  Tha  cuid  am  beachd 
gur  h-ann  le  comhairle  shuidhichte  's  le  shaor 
thoil  fhein  a  chaidh  e  do'n  eilein  iomallach  so  ; 
gu'n  do  theich  e  air  falbh  bho  dhaoine  's  bho 
dhriop  an  t-saoghail  gu  ait'  uaigneach  anns  am 
b'  urrainn  dha  beachd-smuaineachadh  air  firinn- 
ean  a'  chreidimh,  's  air  saibhreas  do-rannsaichte 
Chriosd  ann  an  sith  is  samhchair.  Faodaidh 
sin  a  bhith,  ged  a  tha  e  moran  ni's  roltaiche  ris 
an  fhirinn  gu  robh  Eoin  ann  am  Patmos  mar 
phriosanach  airson  a'  chreidimh.  Is  e  sin  an 
doigh  anns  an  do  thuig  na  h-athraichean  na 
briathran  a  sgriobh  e  fhein — Bha  mise  Eoin, 
bhur  dearbh-bhrathair,  agus  bhur  companach 
ann  an  amhghar,  agus  ann  an  rioghachd  agus 
am  foighidin  losa  Criosd,  anns  an  eilein  ris  an 
abrar  Patmos,  airson  facail  De,  agus  airson 
fianuis  losa  Criosd  : — Taisbean  i,  9. 

Ach  ma  bha  Patmos  'na  phriosan  d'acholuinn 
cha  robh  e  'na  phriosan  d'a  spiorad  ;  dh'  fhoili- 
sicheadh  dha  nithean  a  tha,  'sa  bha,  's  a  tha  ri 
teachd,  chunnaic  e  neamh  fosgailte  agus  an  Ti  a 
ta  'na  shuidhe  air  an  Righ  chaithir,  agus  air  dha 
bhi  le  aghaidh  gun  fholach,  ag  aniharc  mar  ann 
an  sgathan  air  gloir  an  Tighearna,  bha  e  air 
atharrachadh  chum  na  h-iomhaigh  ceudna,  o 
ghloir  gu  gloir. 

Is  e  na  leabhraichean  a  sgriobh  e  an  dileab  a 
dh'  fhag  Eoin  aig  an  Eaglais.  Ann  am  fion  lios 
Dhe  tha  aite  fhein  aig  gach  duine,  aig  fear  nan 
coig  talannan  's  aig  fear  na  h  aon  talann,  aig  an 
fhear  a  sgriobhas,  aig  an  fhear  a  leighseas  cuirp, 
's  aig  an  fhear  a  lionas  am  beul  acrach.  Bha 
eadar  dhealachadh  mor  eadar  Pol  agus  Eoin 
thaobh  seirbhis,  ach  bha  ghloir  fhein  aig  gach 
aon  dhiu.  B'e  gloir  Phoil  na  h-eaglaisean  a 
chuir  e  air  an  cois  am  meafg  nan  cinneach  's  na 
h-anma  a  choisinn  e  mar  dhuais  a  shaothrach, 
rch  b'e  gloir  Eoin  na  leabhraichean  priseil  a 
sgriobh  e — leabhraichean  anns  a'  bheil  doimh- 
neachd  breithneachaidh,  is   lanachd   beatha,   is 


diomhaireachd  naomh  nach  d'  thug  an  saoghal 
asda  fhathast.  Tha  e  air  innseadh  ann  am  beul- 
aithris  nan  ludhach  gu'n  d'  thainig  guth  Dhe  as 
a  h-uile  h-aird  de'n  adhar  an  uair  a  thug  E 
seachad  an  lagh  air  beinn  Shinai.  Thainig  fuaim 
a  ghutha  o'n  aird  a  tuath  's  thionndaidh  an  sluagh 
an  aghaidh  gu  tuath,  agus  feuch  thainig  an  guth 
o'n  aird  a  deas.  Thionndaidh  iad  an  aghaidh 
gu  deas  agus  feuch  thainig  fuaim  a  ghutha  o'n 
aird  a  tuath.  Chual  iad  e  anns  an  aird  an  iar 
agus  thionndaidh  iad  an  aghaidh  siar,  agus  feuch 
thainig  an  guth  o'n  aird  an  ear.  Thog  iad  an 
suilean  gu  neamh,  agus  feuch  ann  an  doimh- 
neachd  na  talmhainn  bha  fuaim  a  ghutha  mar 
thoirm  tairneanaich.  Ghiulaineadh  an  guth  air 
sgiathaibh  na  gaoithe  agus  chual  a  h-uile  duin' 
ann  an  Israel  e — air  reir  an  daisteachd.  Tha 
mile  guth  ann  an  sgriobhaichean  Eoin,  cuid  dhiu 
a  chluinneas  na  h-uile,  ach  cuid  eile  nach  cluinn 
ach  iadsan  aig  a'  bheil  deagh  chlaisteachd.  Tha 
seudan  luachmhor  anns  na  leabhraichean  a 
sgriobh  an  diadhair  so,  ach  is  e  iadsan  aig  a 
bheil  an  inntinn  spioradail  a  ruigeas  orra.  Mar 
is  motha  bheachd-smuainicheas  sinn  air  a  bhriath- 
ran,  's  ann  is  motha  chi  sinn  an  saoibhreas 
heath'  is  eolais  a  th'  air  fholach  annta.  Rainig 
e  air  ruintean  dioiTihair  a  bha  folaichte  ann  an 
Dia  o  thoiseach  an  t-saoghail  agus  sgriobh  e  mar 
le  peann  aingil. 

Ciamar  a  rainig  Eoin  air  na  nithean  so?  Cha 
robh  ann  ach  iasgair  ;  cha  do  shuidh  e  aig  casan 
sgriobhaiche  's  cha  do  chuir  tigh  foghlum  ann 
an  lerusalem  a  sheul'  air.  Cha  d'  ionnsaich  e 
litreachas,  ach  sgriobh  e  litreachas  a  mhaireas 
gu  brath.  Dh'  ol  na  linntean  a  chaidh  seachad 
as  na  tobraichean  a  chladhaich  Eoin  agus  chaisg 
iad  an  iota  's  dh'  ath-nuadhaich  iad  an  neart, 
agus  thig  na  ginealan  nach  do  rugadh  fhathast  a 
dh'  ionnsuidh  nan  tobraichean  ceudna  gu  deir- 
eadh  an  t-saoghail.  Cluinnidh  na  h-amadain  's 
an  luchd  siubhal  fuaim  a  ghutha,  agus  cluinnidh 
na  daoine  glic  agus  eagnaidh  e  mar  an  ceudna. 
Is  e  an  aon  fhreagairt  a's  urrainnear  a  thoirt 
seachad — gu  'n  do  labhair  Eoin  mar  bha  e  air  a 
gkluasad  Zeis  an  Spiorad  Naomh.  Bhean  teine 
Dhe  ri  bhilean.  Bha  e  air  a  shoillseachadh  le 
solus  o'n  airde,  's  ghluais  e  mar  aingeal  am 
measg  nithean  neo-fhaicsinneach  is  siorruidh. 
Bha  chridhe  glan  mar  an  sneachda,  's  a  shuilean 
Ian  soluis.  Cha  do  bhean  Criosd  ri  ni  riamh 
nach  do  naomhaich  e ;  bhean  e  ri  Eoin  agus 
feuch  rinneadh  an  t-iasgair  'na  fhaidh. 

Thae  air  a  radh  gu  robh  esia  fichead  bliadhna 
dh'  aois  'nuair  a  shiubhail  e,  ach  cha  d'  fhailnich 
a  shuil,  ni  mo  a  threig  a  neart  e.  Bhlais  e  deagh 
thiodhlac  Dhe  agus  dh'  ath-nuadhaich  e  'oige 
mar  an  iolair.  Tha  cuid  a  dhaoin'  ann  a  bheir 
dhuinn  an  rud  a's  fhearr  a  th'aca  an  uair  a  tha 
iad  fhathast  bg.  Tha  iad  ag  abuchadh  luath. 
Ach  cha  b'  ann  dhiu  sin  Eoin.       Ghabh  e  nine 


4 
i 


4 


4;5 


ml:or  ag  abuchadh  ach  b'  fhiach  am  foghar 
fantuinn  ris.  Ghleidh  e  am  fion  a  b'  fhearr  gu 
deircadh  an  latha,  's  cha  do  cliuir  e  peann  air 
pnipcar  gus  an  robh  e  'na  sheann  duine.  Tha 
moran  dhaoin'  a'  stad  a  dh'  fhas  gu  spioradail 
ma'n  tig  loinneag  liath  'nan  ceann,  ach  bha  Eoin 
a  sior  fhas  gus  an  latha  mu  dheireadh.  Bha  e 
mar  chraoibh  air  a  suidheachadh  ri  taobh  nan 
uisgeachan,  a  sgaoileas  a  mach  a  freumhan  ri 
taobh  an  t-srutha,  aig  am  bi  a  duilleach  uaine  's 
nach  sguir  a  thoirt  seachad  toraidh. 

San  am  am  bi  iad  aosmhor  liath 
Bheir  iad  mor  niheas  a  mach, 
Is  bithidh  sultnihor  le  deagh  bhlath 
Dhiubh  sud  gach  uile  neach. 
B'e   am   facal   mu  dheireadh  a  labhair  e — a 
chlanti  bheag,  gradhaichihh  a  cheile.      Thoisich  e 
le  gradh  is  chriochnaich  e  le  gradh.       Rinneadh 
an  deisciobul  ionmhuinn  'na  Abstol  a'  Ghraidh. 
An    do  chuir  duine  riamh  uiread  brigh  ann  an 
tri    facail  'sa  chuir  Eoin  an  uair  a  sgriobh  e — Is 
Gradh  Dia. 


AM    FITHEACH    DUBH. 


Thachair  dhomh  o  chionn  ghoirid  a  bhi  cois- 
•eachd  troimh  ghleann  udlaidh.  Cha  robh  bheag 
a  bheatha  ri  fhaicinn  no  chluinntinn  ach  da 
fhitheach  a  bha  'g  itealaich  air  slios  na  beinne  's 
a'  cur  failt  orm  an  drasd  's  a  rithist  le  guth 
rbcach.  Thug  iad  'nam  chuimhne  facal  no  dha 
a  chuala  mi  nia'm  faca  mi  fitheach  riamh,  agus 
air  do'm  inntinn  socruchadh  air  cuid  de  na  facail 
sin  bha  'n  t-slighe  air  a'  giorrachadh  's  cha 
d'  fhairich  mi  an  tiine  del  seachad  gus  an  do 
rainig  mi  mo  cheann-uidhe.  Cha 'n 'eil  speis 
sam  bith  agamsa  do'n  fhitheach,  's  cha  mh6  a 
a  their  mi  riutsa,  leughadair,  gur  h-olc  a  thubh- 
airt  thu  ged  a  chaineadh  tu  e  gus  an  teirig 
cainnt  ort.  Ach  a  chionn  gu'n  do  ghiorraich  e 
an  t-slighe  dhomh  an  la  ud,  tha  mi  sgriobhadh 
ainme  air  an  duilleig  so  chum  taing  a  thoirt  dha. 
Is  e  so  an  aon  reusan  a  th'  agam  iomradh  a 
thoirt  air.  Tha  e  fior,  gun  teagamh,  nach  leugh 
esan  na  sgriobhas  mi  ach  is  suarach  an  call  dha 
sin.  B'  fhearr  leis  criomag  bheag  de  shuil 
caorach  seach  an  teisteanas  a  b'airde  a  b'arrainn 
niise  thoirt  dha  ann  an  leabhar  na  h-eaglais.  Is 
beag  aige  gu  de  shaoileas  Cleir  Dhun-cailin 
dheth. 

Tha  mi  'n  duil  gu  faodadh  cliu  an  fhithich  a 
bhi  ni  b'  fhearr  nan  robh  dath  eil'  air.  Cha'n'eil 
reusan  sam  bith  gu'm  biodh  creutairean  dubha 
ni's  aingidhe  no  creutairean  geala,  ach  tha 'n 
saoghal  ullamh  gu  subhailcean  a  thoirt  do 
chreutairean  geala  nach  buin  dhaibh,  's  gu  bhi 
curdhroch  nithean  as  leth  chreutairean  dubha  do 


nach  'eil  iad  idir  ciontach.  Tha  'n  dath  duth  a 
samhlachadh  'nar  n-inntinnean — olc  is  bas  is 
salachar  is  gniomharan  an  dorchadais  's  a  h-uile 
mosaiche  eile  air  an  togair  thu  sniuaineachadh, 
ach  tha  geal  a'  samhlachadh — gloine  is  neo- 
chiontachd  is  beath'-is  gloir.  Cha'n'eil  teagamh 
nach  'eil  reusan  sonruichte  air  a  so,  ach  aig  a' 
cheart  am  tha  e  duilich  do  na  creutairean  dubha 
ceartas  fhaotainn,  oir  tha  iad  air  an  diteadh,  mar 
gu'm  b'  eadh,  roimh  laimh.  An  uair  a  bhitear  air- 
son  an  droch  Spiorad  fhein  a  dheanamh  duaich- 
nidh — theirear  ris  Domhull  dtihh.  Air  a'  cheart 
doigh  an  uair  a  labhrar  mu'n  fhitheach  mar  am 
fitheach  dubh,  tha  cliu  a'  chreutair  air  a  thoirt 
bhuaith  cheana,  gun  uidhir  is  cothrom  a  thoirt 
dha  e  fhein  a  dhion,  Tha  e  tigh'nn  a  steach 
do'n  t-saoghal  fo  amharus,  agus  dh'  fheumadh  e 
bhi  anabarach  faicilleach  'na  ghiulan  's  'na  cho- 
luadar  man  toireadh  e  air  daoin'  a  chreidsinn  gu 
bheil  e  ni's  fhearr  no  dhath.  Coltach  ri  fear 
nan  cuaran  dh'  fheumadh  e  eiridli  uair  roimh 
fhear  nam  brog.  Bha  mi  ann  an  lios  araidh  an 
la  roimhe,  agus  ann  am  meadhon  a'gharaidh 
bha  ceithir  ealachan  a'  snamh  air  uisge. 
Neo -ar  -  thaing  nach  robh  iad  boidheach 
agus  moralach  cuideachd,  cho  geal  ris 
an  t-sneachda  agus  gle  thaitneach  do'n  t-suil. 
Choisinn  gilead  a  dreach  a  leithid  a  chliu  do'n 
eala  's  gu'm  bi  a  h-uile  sgonn-bhalach  a  bhios 
ann  an  gaol  a'  coimeas  a  leaniiain  fhein  rithe — 
mar  nach  b'urrainn  e  dad  a  b'  fhearr  a  radh  m'a 
leannan  no  sin.  Mas  fior  na  baird  tha  'n  eala 
bhan  'na  creutair  beannaichte.  Ach  stad  beag 
ort,  a  leughadair  !  Chord  na  h-ealachan  rium 
agus  choisich  mi  ni  bu  dluithe  dhaibh  chum 
sealladh  maith  fhaotainn  orra,  ach  ma  choisich, 
chuir  aon  seann  te  dhiu  car  na  h-amhaich  chaoil, 
is  rinn  i  air  tir,  's  bha  i  'nam  charamh  gu  guin- 
each  le  sgiathan  ma'n  tug  mi  'n  aire  an  t-olc  a 
bha  'na  beachd.  Creutair  cho  olc,  leibideach, 
canranach,  cha  do  thachair  orm  o  chionn  fhada, 
ach  moar-thaing  nach  robh  i  geal.  Bha  barrachd 
a  dhroch  nadur 's  a  dh' aingidheachd  anns  an 
aon  choluinn  ghil  dhreachmhor  ud  na  th'  anns 
a  h-uile  fitheach  duth  an  gleann  Teilt.  Faod- 
aidh  ga  leor  a  shalachar  bhi  fuidh  'n  deise  ghil, 
agus  is  minic  a  tha  deagh  chridhe  fo  chraicionn 
dubh.  Na  toir  thusa,  leughadair,  breith  air 
duine  no  beothach  air  reir  am  beoin. 

Rinn  am  fitheach  mearachd  ann  an  an  tiis  a 
thoiseachaidh  's  cha  d'  fhuair  e  riamh  os  a 
chionn.  Tha  e  coltach  ris  na  sgiobairean  a  chuir 
aon  long  air  tir — cha 'n  earbar  long  eile  riu.  Co 
dhiu  nach  do  chord  an  aire  ris  an  fhitheach,  no 
CO  dhiu  a  bha  e  caoin-shuarach  ciamar  a  dh' 
eireadh  do  Noah  's  d'a  chompanaich,  cha  'n 
urrainn  mi  a  radh  ;  ach  cha  do  thill  e  airais  aon 
uair  's  gu'n  d'  fhuair  e  chas  mu  reir.  Cha  ghabh 
e  moladh  airson  a  ghniomha  's  cha  'n  'eil  mise 
dol  a  ghabhail  a  lethsgeil.       Tha  amharus  agam 


44 


carson  nach  do  thill  e.  Ged  nach  'eil  e  deanamh 
dia  d'a  bhrti  ni's  motha  na  creutairean  die,  tha  e 
gaolach  air  closaichean  's  cha  'n  'eil  teagamh 
nach  robh  gu  leoir  dhiu  sin  ri  fhaotainn  an  am 
na  dile.  Far  am  bi  chairbh  bidh  am  fitheach, 
agus  nan  robh  'n  fheoil  na  bu  ghainne  is  docha 
gu'n  d'  fhuair  Noah  fios  na  h-Inid  na  bu  traithe. 
Tha  am  fitheach  gaolach  air  closaichean,  ach  ged 
nach  mol  mi  a  bhlas  cha  mho  a  chaineas  mi  e 
air  a  shon.  Tha  e  duilich  a  thuigsinn  gu  de  am 
feum  a  tha  iomadh  creutair  a'  deanamh  anns  a' 
chruthachadh,  ach  tha  e  furasda  gu  leor  a  thuig- 
sinn gu  bheil  obair  fhein  air  a  cur  a  mach  do'n 
fhitheach,  's  gu  bheil  a  ghloir  fhein  aige  am 
measg  nan  eun.  Tha  e  deanamh  a'  cheait  ni  a 
tha  'n  luchd  glanaidh  a'  deanamh  's  na  bailtean 
mora — a'  giulan  air  falbh  gach  salachar  is  mos- 
aiche  a  thogadh  plaigh  nam  fagte  iad.  Cha  mhol 
mise  bias  an  fhithich,  ach  an  uair  a  dh'itheas 
e  fhein  's  a  gharrachdain  a'  chaora  bha  grodadh 
air  an  raon,  faodaidh  gu'n  do  rinn  iad  obair 
latha  a  tha  cho  buanachdail  do  dhaoine  ri  car 
sam  bith  a  rinn  thu  fhein  an  diugh,  a  leughadair. 
Esan  a  sguabas  air  falbh  salchar  far  an  tachair  e 
uir — CO  dhiu  is  duine  no  beothach  e — tha  e 
deanamh  seirbhis  ann  an  tigh  mor  Dhe. 

Cha  'n  'eil  fhios  agam  carson  a  thagh  Noah 
am  fitheach  a  measg  nan  eun  eile  gu  del  a  dh' 
iarraidh  fios  na  side,  mar  h-e  gu  robh  e  'n  duil 
gu  robh  doigh  aig  an  fhitheach  air  forthais 
fhaotainn  nach  robh  each.  Bidh  daone  'n  diugh 
fhathast  a'  bruidhinn  air  fios  fithich,  agus  faod- 
aidh gu  robh  'm  faca!  ann  ri  linn  nan  athraichean. 
Bitear  a'  cur  as  a  leth  nach  'eil  rud  sam  bith  an 
ain-fhios  dha,  gu'n  d'  fhuair  e  eolas  na  sida  o 
bhodach  na  gealaich,  is  eolas  a'  chuain  o'li 
mhaighdin  mhara,  is  eolas  na  talmhainn  o'n 
chaiiiich  oidhche,  's  gur  h-aithne  dha  an  ni  a  tha, 
a  bha,  's  a  bhitheas.  Tha  mi'n  amharus  nach 
cuireadh  am  fitheach  fhein  daoin  as  a  bheachd 
so.  Cha  mhisd  le  eoin  's  le  daoine  barail  a  bhi 
orra  gu  bheil  iad  ni's  fiosraiche  na  tha  iad,  's  gu 
rachadh  aca  air  rud  a  radh  a  bheireadh  air  an 
coimhearsnaich  an  suilean  fhosgladh  nan  toilich- 
eadh  iad  sin  a  dheanamh.  Is  iomadh  bodach 
c6ir  anns  an  taobh  tuath  a  dhearbh  nach  bu 
chall  ach  buannachd  dha  ann  an  iomadh  doigh — 
an  cliu,  's  an  creideas,  's  an  ughdarras — amharus 
a  bhi  aig  a  choimhearsnaich  gu  robh  e  faicinn 
aislingean,  gu  robh  fios  fithich  aige,  's  gu'n  dean- 
amh e  faidheadaireachd.  Agus  faodaidh  e  bhi 
gur  h-ann  air  a'  cheart  doigh  a  fhuair  am  fitheach 
ceann-fodha  air  an  fheannaig  's  air  na  h  eoin 
eile  a  tha  e  cumail  fo  smachd.  Ach  ma  tha  fios 
aige  OS  cionn  chaich — don  duaise  dha  air  a  shon 
sin.  Tha  e  faotainn  sineadh  laithean  air  tha- 
lamh  nach  'eil  acasan,  's  cha  bhiodh  ann  ach 
droch  sgoilear  mar  trusadh  e  sbruileach  eolais  air 
a'  chuairt.  Cha  'n  urrainn  mise  radh  gu  de  air- 
eamh  a  laithean,  ach  thatar  ag  radh  gu  ruig  am 
fitheach  aois  mhor.       Tha  e,  ma  ta,  freagarrach 


gu  leoir  gu  rachadh  yfijj  an  lorg  na  h-aoise.  Ma 
dh'  abras  balach  beag  facal  seangarra  no  fada 
thall  an  eisdeachd  sheann  daoine,  their  iad  ris  — 
Tha  fios  fithich  agad,  a  laochain. 

Ged  nach  saoileadh  thu  le  sealltuinn  air  fith- 
each air  an  iteig  gu  bheil  e  sgiobalta  no  easgaidh, 
tha  suil  gheir  is  sron  ghlan  aige,  agus  cha  bhi  e 
fada  ruigheachd  an  ait'  anns  a  bheil  closach  'na 
luidhe.  Cha  cheum  air  ghaig  leis  dol  far  am  bi 
rbic.  Ma'n  gann  a  dh'  fhagas  an  anail  a'  chaora 
no  'n  t-uan  tha  fhios  aig  air,  ged  bhiodh  e  astar 
mhiltean  air  falbh.  Tha  shuil  cho  biorach  ri 
suil  maraiche,  'r,  fhaileadh  cho  glan  ri  cuinnlein 
gaidseir.  Is  docha  gur  h-e  so  a  thug  dha  ainm 
fiosache.  An  ni  nach  aithne  dhasan  mu  chlos- 
aichean  na  duthcha,  cha  'n  fhiach  e  radh.  Agus 
is  mor  e  r'a  radh  mu  dhuine  no  mu  eun  gu  bheil 
iomlanachd  eolais  aige  air  eadhoin  aon  chuspair. 

Tha  e  'na  dheagh  cheann  teaghlaich  is  stuama 
thaobh  bhan.  Cha  'n  'eil  e  coltach  ri  eoin  eile 
a  thaghas  ceile  iir  gach  earrach.  An  uair  a 
phosas  e,  cha  'n  fhuasgail  e  'n  t-snaoim  gus  an 
cuir  am  bas  dealachadh  eadare  fhein  's  a  bhean. 
Ach  ma  bhasaicheas  i,  cha 'n  'eil  e  faicinn  mar 
fhiachaibh  air  bliadhna  chur  seachad  'ga  caoidh. 
Gheibh  e  te  eile  ann  an  latha  no  dha.  Ma  thig 
cunnart  an  rathad  na  cloinne  tha  e  daonnan  deas 
gus  an  larach  a  sheasamh  is  tapaid  a  dheanamh 
air  an  son.  Solaraidh  e  airson  an  loin  gu  dich- 
iollach  's  bheir  e  dhaibh  roinn  do  gach  seorsa 
cobhartaich  a  gheibh  e,  ach  a  mhain  an  t-suil. 
Cha  toir  am  fitheach  an  t-suil  d'a  'iseanfihein. 
Their  a  naimhdean  gu  bheil  so  'na  chorahara  air 
feineileachd  a  naduir  is  cruas  a  chridhe  ach  nam 
b'  urrainn  e  bruidhinn  's  a  lethsgeul  a  ghabhail, 
faodaidh  gu'n  abradh  e  nach  'eil  suilean  amh 
maith  do  stamagan  og  is  lag.  Bitear  ag  radh  gu 
bheil  e  'na  chomhara  air  bas  no  mi-fhortan  air 
chor-eigin  ma  thig  fitheach  an  coir  tighe.  'Se 
dhath  a's  coireach  dha  sin,  oir  tha  'n  dath  duth 
air  a  cheangal  ann  an  inntinnean  dhaoine  ris  a' 
bhas. 

Is  a  'm  fitheach  a'  cheud  eun  a  chuireas  luim 
air  nid  's  an  earrach.  Toisichidh  e  air  a  thigh 
a  chur  an  ordugh  ma'n  gann  an  gobaich  an  t- 
earrach. 

Nead  air  Brighde,  vbh  air  Iiiid,  eun  air  caisg 
Mar  bi  si?i  aig  an  fhitheach  dhubh,  hithidh  am 
bas. 

Ged  a  tha  na  baird  ni 's  toighiche  air  an  eala 
no  tha  iad  air  an  fhitheach,  tha  iomradh  air  an 
fhitheach  anns  na  sean-fhacail  cho  trie  ri  eun 
sam  bith. 

Cha  tig  a  nead  an  fhithich,  ach  am  fitheach  fhein . 
Isgea/  leis  an  fhitheach  a  gharrach  gorm  fhein 
Mallachd  athar  is  bas  fithich  art. 
Feiimaidh  am  fitheach  fhein  a  bhi  beo. 
Tha  'm  fitheach  a'  cur  a  mach  a  theanga. 

Agus  a  nis,  a  leughadair,  tomhais  so — Gu  de 
is  ciall  do'n  iha.ca\  ceist  an  fhithich  air  an  fheann- 
aio. 


.1 


1 


i 
1 


i 
•I 


Air    12. 


1908. 


AOIBHNEAS   CHRIOSD. 

A  nigheana  lerusaldm,  na  gicilibh  air  mo  shoiisa. 

Lucas  23,  28. 


Am  ireasg  na  cuideachd  a  lean  losa  gu  Calbhari 
tha  Lucas  ag  innseadh  dhuinn  gu  robh  moran 
bhan,  a  bha  ri  bron  agus  'ga  chaomeadh.  Cha 
robh  ioghnadh  ged  a  bha,  oir  b'  aithne  dhaibh  E 
gu  maith  agus  bha  gradh  mor  ac'  dha.  An  uair 
a  chunnaic  iad  E  air  a  thoirt  thairis  an  laimh  a 
naimhdean,  's  a  chaidh  a'  bhinn  eucorach  a 
thoirt  a  mach,  's  a  bha  n  crann-ceusaidh  air 
uliachadh,cha  b'  urrainn  dhaibh  cumail  orra  fhein 
ni  b'  fhaide,  's  shil  iad  na  deoir.  Ach  thionn- 
daidh  Criosd  agus  thuirt  E  riu,  A  nigheana 
Ierusaki?n,  na  gicilibh  air  mo  shonsa.  Gu  de 
bha  E  ciallachadh  's  carson  a  chronaich  E  na 
mnathan  ?  Shaoileamaid  gu'm  biodh  deoir  nam 
ban  'nan  comhfhurtachd  dha  an  am  fhulangais. 
Bha  daoin'  eile  am  measg  na  cuideachd  nach  do 
rinn  caoidh  a  chionn  gu  robh  iad  caoinshuarach 
ciamar  dh'  eireadh  dha,  's  Ian  choma  ged  a 
thilgteadh  nair'  is  masladh  air  a  cheann.  Cha 
robh  trocair  'nan  cridhe,  's  ged  a  bha  iad  'nan 
suil  fhianuisean  air  fhulangas,  cha  do  thaisich 
an  cridhe  's  cha  d'  thainig  deur  air  an  suil.  Bha 
fios  aig  Criosd  air  a  sin,  's  bha  fios  aig  mar  an 
ceudna  gur  h-e  meud  an  gaoil  air  fhein  a  tharr- 
uing  deoir  nam  ban ;  agus  air  dha  bhi  air  a 
dheanamh  coltach  r'a  bhraithrean  's  na  h-uile 
nithean,  cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  caomhal- 
achd  nigheanan  lerusaleim  'na  chomhfhurtachd 
dha  an  uair  a  chuir  E  'aghaidh  air  gleann  dorch' 
a'  bhais.  An  am  trioblaid  is  mor  an  cuideach- 
adh  co-fhaireachduinn  bhraithrean.  Is  e  aonar- 
anachd  searbhadas  br6in.  Ach  ged  a  bha 
caomhalachd  is  co-fhaireachduinn  nam  ban  'na 
chomhfhurtachd  's  na  thoileachadh  do  Chriosd, 
chaisg  E  an  deoir.  Cha  robh  feum  aig'  air  truas 
dhaoine  aig  an  am.  Cha  ruigeadh  E  leotha 
shaoilsinn  gur  h-ann  'na  ain-deoin  a  bha  E  dol 
gu  Calbhari.  Mar  gu'n  abradh  E  riu — An  aite 
bhi  caoidh,  's  ann  a  bu  chor  dhuibh  gairdeachas  a 
dheanamh  maiile  rium.  Cha  b'e  bron  a  bha  'na 
chridhe  fhein  ach  aoibhneas,  Ged  bu  leir  dha 
gu  soilleir  an  deuchainn  a  bh'air  thoiseach  air, 
b'  urrainn  E  radh  r'a  dheisciobuil — na  nithean 
so  labhair  mi  ribh  chum  gu  fanadh  mo  ghaird- 
eachas-sa  annaibh  's  gu'm  biodh  'ur  gairdeachas 
\hxi.  Ged  bha  na  mnathan  'ga  chaoineadh,  bha 
cridhe  'n  t-Slanuigheir  fhein  Ian  aoibhneis — 
aoibhneas  a  bha  do-labhairt  agus  Ian  de  ghloir. 


Thuig  Criosd  gu  robh  fulangas  is  bas  air 
thoiseach  air  fada  ma'n  do  thuig  na  deisciobuil 
e.  Leugh  E  comharan  na  h-aimsir  am  feadh 
'sa  bha  'n  suilean-san  fhathast  duinte.  O'n 
latha  chaidh  a  bhaisteadh  an  Jordan  tha  e  gle 
choltach  gu'n  d'  fhairich  E  cudthrom  a'  chroinn- 
ceusaidh  air  a  ghuaillean,  's  gu  robh  fhios  aige 
gu  feumadh  E  fulang  ma  rachadh  E  steach  d'a 
ghloir.  Dh'  fhaodadh  E  tionndadh  a  thaoibh 
uair  no  dha — 's  chomhairlich  na  deisciobuil  dha. 
sin  a  dheanamh — chum  Calbhari  a  sheachnadh, 
ach  an  uair  a  choimhlionadh  laithean  a  ghabhail 
suas,  shuidhich  E  a  ghnuis  chum  dol  gu  Jerusa- 
lem. Cha  rachadh  E  null  no  nail  far  na  slighe 
bh'air  a  cur  a  mach  dha. 

Cha  'n  'eil  e  uile  gu  leir  ceart  a  bhi  smuain- 
eachadh  air  Criosd  mar  neach  a  chaidh  an 
coinneamh  bais  's  a  cheann  crom  le  naire  's  a 
chridhe  Ian  broin.  Bha  naire  gu  leoir 'sa  chrann- 
ceusaidh  ach  cha  b'  ann  dhasan.  Ged  bha 
'fheoil  a'  fulang  bha  chridhe  Ian  aoibhneis. 
Eadhoin  an  uair  a  bha  neul  a'  bhais  a'  sgaoileadh 
air  aodann,  cha  d'  fhailnich  a  chridhe  's  cha_ 
do  chain  e  'ghairdeachas.  Bha  aoibhneas 
a'  measgadh  ri  bron,  's  bha  aran  aige  r'a  itheadh 
nach  b'  aithne  do'n  t-saoghal. 

Is  iad  so  na  tobraichean  as  an  do  tharruing 
Criosd  'aoibhneas. 

I.  Neo-chio7iteas  is  naomhachd  a  bheatha. 
Ghluais  E  maiile  ri  Dia  's  bha  E  gun  pheac- 
aidh.  Is  e  so  miorbhuil  mhor  an  Tiomnaidh 
Nuaidh — iongantas  a's  motha  no  gu'n  do  thog- 
adh  corp  Lasaruis  o  na  marbhaibh.  B'e  bhiadh 
's  a  dheoch  toil  an  Athar  a  dheanamh,  's  cha  b' 
aithne  dha  ann  fhein  ni  sam  bith  a  bhuineadh 
do  'n  t-saoghal  no  do  pheacadh.  Tha  seorsa 
sonais  ann  air  an  ruig  daoine  gun  naomhachd — 
an  sonas  a  bhuineas  do'n  fheoil.  Ach  tha  seors' 
eile  ann — an  sonas  a's  airde,  an  sonas  a  tha  'na 
bheatha  do'n  spiorad,  air  nach  ruig  ach  iadsan  a 
mhain  a  thug  buaidh  air  an  t-saoghal.  B'e  sin 
sonas  Chriosd.  Bha  bheatha  bruailleanach  gu 
leor  o'n  taobh  a  muigh,  bha  E  gun  tigh  gun 
dachaidh,  is  iomadh  uair  gun  ait'  anns  an  leag- 
adh  E  a  cheann,  ach  cha  do  mhill  sin  a  shith,  's 
cha  do  chuir  e  searbhadas  'na  chridhe.  Dhearbli 
e  'na  fhiosrachadh  fhein  firinn  nam  briathran  a 
labhair  E — cha'n  ann  le  aran  a  mhain  a  bheath- 
aichear  duine  ach  leis  gach  uil'  fhacal  a  thig  o 
bheul  Dhe.  Tha  cridhe  'n  duine  naoimh  mar 
gu'm  biodh  clarsach  air  a  deadh  ghleusadh.  An 
uair  a  bhuailear  na  teudan,  cluinnear  ceol  mills 


46 


agus  fuaim  an  aoibhiieis.  Tha  chuid  a's  motha 
de  dhaoine  mar  gu'm  biodh  clarsaichean  briste  ; 
ged  a  ni  iad  seorsa  ciuil  tha  'n  ceol  gun 
aoibhneas  gun  mhilseachd.  Tha  'n  t-aingidh 
mar  a'  mhuir  bhuairte  nach  gabh  fois.  Ged  a 
dh'  fhaodas  e  bhi  ann  an  sith  vis  an  t-saoghal, 
cha  'n  'eil  sith  aige  ris  fhein  ;  tha  iorghuill  'na 
chridh'  a  bheir  air  falbh  'aoibhneas.  Cha  robh 
Criosd  ann  an  sith  tis  an  t-saoghal,  oir  bha  E 
fhein  's  an  saoghal  calg-dhireach  an  aghaidh  a 
cheile  's  thuirt  E  nach  h-ann  a  chur  sith  air  an 
talamh  a  thainig  E  ach  a  chur  claidheimh,  ach 
bha  E  ann  an  sith  ris  fhein  's  ann  an  sith  ri  Dia 
's  a  chionn  gu  robh,  bha  'aoibhneas  Ian.  Bha 
naomhachd  a  chridhe  mar  chraoibh  na  beatha 
dha. 

II.  Bha  lathaireachd  Dhe  'na  aoibhneas  dha 
gach  latha.  B'e  Dia  grian  anma.  Cha  d'thainig 
neul  dorcha  riarah  eadar  E  fhein  's  a'  Ghrian,  's 
cha  do  bhristeadh  an  co-chomunn  a  bh'  aige  ri 
Dia.  Faodar  a  radh  uime-san  mar  nach  faodar 
a  radh  mu  neach  eile  gun  do  chreid  E  Dia. 
Tha  sinn  uairean  an  duil  gu  robh  e  ni  b'  usa 
dhasan  sin  a  dheanamh  no  tha  e  dhuinne,  a 
chionn  gu'm  b'e  fhein  Facal  Dhe.  Ach  'nuair 
a  thainig  Criosd  do'n  t-saoghal  ann  an  coslas 
feola,  's  a  ghabh  E  ar  nadur  daonaidh,  's  a  rinn- 
eadh  E  coltach  r'a  bhraithrean  's  na  h-uile 
nithean,  leig  e  uaithe  cumhachd  na  Diadhachd 
air  chor  's  gu  feumaidh  E  a  thaic  a  leigeil  air 
Dia  mar  ni  daoine.  Thuirt  E  ris  na  deisciobuil 
gu  robh  nithean  nach  b'  aithne  dha,  's  gu  robh 
nithean  nach  b'urrainn  E  thoirtdhaibh — nithean 
a  bha  an  laimh  an  Athar  a  mhain.  Bheathaich 
E  anam  le  facal  Dhe  coltach  ri  bhraithrean. 
Fhuair  E  cuide.acbadh  is  neart  o  urnuigh  mar 
dhaoin'  eile.  Bhuanaich  E  re  na  h  oidhche  ann 
an  urnuigh  ri  Dia. — Lucas  vi,  12.  Ghleachd 
E  ri  Dia  ann  an  urnuigh  a  chionn  gu'n  do  rinn- 
eadh  E  coltach  r'a  bhraithrean  's  gu'm  b'eigin 
dha  a  chreidimh  's  a  dhochas  's  a  mhisneach  a 
chumail  beo  air  an  aon  doigh  riuthsan.  Ach 
cha  do  chain  li  riamh  'earbs'  ann  an  Dia.  B'e 
sin  gloir  a  bheath'  agus  steidh  a  neart.  B'urrainn 
E  daonnan  a  radh — ged  mharbhadh  E  tni  earb- 
aidh  mi  an?t.  Bha  amannan  'na  bheatha  anns 
an  robh  e  duilich  dha  greim  a  chumail  air  a 
chreidimh,  anns  am  faodadh  E  shaoilsinn  gu'n 
do  threig  Dia  gu  buileach  E,  ach  eadhoin  anns 
an  dorchadas  cha  d'  fhailnich  a  chreidimh  's  cha 
do  chain  E  'earbs  ann  an  gradh  Dhe.  Cha  deach- 
aibh  dearbhadh  riamh  air  creidimh  duine  ni  bu 
chruaidhe  na  chaidh  air  creidimh  losa  an  uair 
a  bhruchd  an  saoghal  air  mar  thuil,  's  a  thugadh 
thairis  E  d'a  naimhdean,  's  a  threig  eadhoin  a 
chairdean  E,  'sa  dh'  eirich  an  glaodh  eagallach 
gu  neamh — Beir  uainn  E,  Ceus  E.  Shaol  an 
saoghal  gu'n  do  threig  Dia  E,  ach  cha  do  chaill 
E  fhein  earbsa,  's  bha  aoibhneas  'na  chridhe 
nach  b'  aithne  do'n  t-saoghal,   oir  eadhoin  anns 


an  dorchadas  's  ann  an  uair  na  h-eigin  bha  fair- 
eachduinn  aig'  air  lathaireachd  Dhe,  's  b'urrainn 
E  radh — cha  'n  'eil  mi  'nam  aonar,  tha  'n  Athair 
maille  rium.  An  uair  a  chailleas  na  naoimh  an 
sealladh  air  gnuis  Dhe  tha  brbn  is  eagal  a'  lion- 
adh  an  cridhe,  ach  an  uair  a  tha  faireachduinn 
ac'  air  a  lathaireachd  tha  aoibhneas  spioraid  aca 
nach  urrainn  an  saoghal  a  thoirt  uapa. 

III.  Bha  aoibhneas  aig  Criosd  ann  a  bhi 
deanamh  seirbhis  d'a  hhrailhrean.  Cha  d' 
thainig  Mac  an  duine  chum  gu'n  deantadh  frith- 
ealadh  dha,  ach  a  dheanamli  frithealaidh,  agus 
dhearbh  E  'na  bheatha  fhein  firinn  nam  briathran 
a  labhair  E — Tha  e  ni's  beannaichte  ni  a  thabh- 
airt  no  gkabhail.  Cha 'n  urrainn  iadsan  aig  a 
bheil  spiorad  feineil  a  bhi  gu  brath  sona.  Tha 
feineileachd  mar  gu'm  biodh  uisge  a  mhuchas 
teine  an  aoibhneis.  Is  e  na  daoin'  a  dhichuimh- 
icheas  iad  fhein  ann  a  bhi  deanamh  ministreil- 
eachd  da'n  cochreutairean  a  ruigeas  air  an 
t-sonas  a's  airde.  Saoilidh  sinn  uairean  gu'm 
bitheamaid  sona  nam  faigheamaid  na  tha  dhith 
oirnn,  's  nan  deanadh  daoin'  eile  seirbhis 
dhuinn,  's  nam  faigheamaid  na  ceud  ionada- 
suidhe  anns  gach  cuideachd,  ach  cha  b'e  sin  an 
t-slighe  air  an  do  rainig  Criosd  air  aoibhneas. 
Theagaisg  Esan  le  fhacal  agus  gu  sonruichte  le 
eiseimpleir  gur  h-e  iadsan  a  dh'  aicheadhas  iad 
fhein  a  tha  da  rireadhsona,  's  nach  ann  am  mor- 
phailteas  nan  nithe  ta  e  sealbhachadh  tha 
aoibhneas  an  duine.  Tha  e  tachairt  gu  trie  gu 
feum  aon  air  chor-eigin  ann  an  teaghlach  cud- 
throm  chaich  is  uallach  na  dachaidh  a  ghabhail 
air  a  ghuaillean,  's  gu  feum  e  iomadh  rud  a 
leigeil  as  an  t-sealladh  chum  an  dleasdanas  sin  a 
dheanamh.  Their  an  saoghal  gur  truagh  a  dh' 
eirich  dha,  's  gur  bochd  a  chaill  e  an  cothrom  a 
bha  gealltainn  buannachd  is  sonas.  Ach  is 
docha  gur  beag  feum  an  duin'  air  truas  an 
t-saoghail,  's  gu  bheil  aoibhneas  spioraid  aige 
air  nach  amaiseadh  e  gu  brath  nan  do  ghabh  e 
'n  rathad  eile.  Tha  'n  duine  nach  abair  latha 
deug  'sa  bhliadhna  ach — Thoir  doinh,  thoir  doinh 
air  an  rathad  gu  mi-shuaimhneas  is  mi-shonas  ; 
ach  blaisidh  an  duin'  a  dh'  aicheadheas  e  fhein, 
's  a  ni  seirbhis  d'a  bhraithrean  ann  an  spiorad  a' 
ghraidh  aoibhneas  a  tha  'na  bheatha  d'a  anam. 
Thug  Criosd  na  bh'  aige  do  dhaoin'  eile  's  mu 
dheireadh  thug  E  seachad  anam  'nan  eiric,  ach 
a  chionn  gu'n  do  rinn  E  sin  bha  'aoibhneas  Ian. 
Airson  an  aoibhneis  a  chuireadh  roimhe,  ghuilain 
E  an  crann-ceusaidh. 

IV.  Bha  aoibhneas  aig  Criosd  ann  a  bhi 
tearnadh  pheacach.  Bha  fhios  aige  gu'm  biodh 
fhulangas  's  a  bhas  'nan  cumhachd  a  bheanadh 
ri  cridheachean  dhaoin'  anns  na  linntean  ri 
teachd,  'sa  bheireadh  air  an  ais  iad  gu  Dia,  's 
mheas  E  nach  b'  airidh  am  pian  cuirp  is  inntinn 
a  bha  E  fulang  aig  an  am  bhi  air  an  coimeas  ris 
a'   ghloir   sin,    's  cha  ruigeadh   e  le   nigheana 


1 


§, 


J 


47 


lerusaleim  a  bhi  gul  air  a  shon.  Bha  iadsan  a' 
smuaineachadh  air  plan  is  nair'  a'  chroinn- 
ceusaidh,  ach  bha  Esan  a'  smuaineachadh  air  an 
toradh  a  leanadh  a  bl.as.  Chunnaic  E  saothair 
anma  's  bha  E  toiHchte.  Rinn  E  gairdeachas 
air  dha  bhi  cinnteach  gu'n  tairngeadh  e  na  h-uile 
dhaoine  'ga  ionnsuidh  an  uair  a  thogteadh  suas 
E.  B'e  aoibhneas  Chriosd  an  la  ud  a'  cheart 
aoibhneas  a  th'  aig  na  h-ainglean  an  uair  a  ni 
peacach  aithreachas.  Ma  bu  nihaith  leinn  br6n 
Chriosd  a  thuigsinn  feumaidh  sinn  sealltuinn  air 
an  la  ud  anns  an  do  ghuil  E  os  cionn  lerusaleim 
an  uair  a  smuainich  E  air  na  h-anmanna  gun 
churam,  gun  suim  do  Dhia  a  bh'  anns  a'  bhaile 
sin.  Chuir  cor  an  t-sluaigh  saighead  'na  chridhe 
Ach  ma  bu  mhaith  leinn  'aoiblmeas  a  thuigsinn 
feumaidh  sinn  sealltuinn  air  an  la  ud  a  thugadh 
fios  h-uige  gu  robh  na  feadhainn  ris  an  abradh 
Pol  "  amadain  an  t-saoghail  so  "  ag  iarraidh  na 
Rioghachd — Tha  mi  ioirt  buidheachais  dhuit,  O 
Athair,  airson  gu'n  d'fhoilhich  tint  na  nithean 
so  do  leanabaibh. 

Tha  daoin'  an  diugh  fhathast  an  t6ir  air 
aoibhneas  spioraid  agus  ag  radh  'nan  cridhe — O, 
nach  robh  fhios  agam  c'  ait'  am  faighinn  e. 
Cha  'n  'eil  ach  aon  rathad  'ga  ionnsuidh,  an 
rathad  air  an  do  choisich  Criosd  romhainn. 


A'    BHAN-RIGH    NACH    MAIREANN 
EAGLAIS    NA    H-ALBA. 


IS 


Chuir  a'  Bhan-righ  seachad  cuid  de  na  laithean 
a  bu  shona  'na  beatha  anns  a'  Ghaidhealtachd. 
Bha  gaol  mor  aic'  air  an  duthaich  's  air  an  t- 
sluagh,  's  bhiodh  fadachd  oirre  gus  an  tigeadh 
an  t-am  anns  am  faodadh  i  driop  is  starum 
Shasuinn  fhagail  as  a  deigh  los  sith  is  sarahchair 
fhaotainn  'na  dachaidh  Ghaidhealach.  Bha  i 
'na  bean  chomanachaidh  an  Eaglais  na  sgireachd, 
agus  anns  an  leabhar  a  sgriobh  i  m'a  beatha  's  a 
Ghaidhealtachd  tha  i  tigh'nn  thairis  an  drasd  'sa 
rithist  air  a'  bhuannachd  a  fhuair  i  bho  chuid 
de  na  searmoin  a  chual  i  innte,  's  air  a'  ghradh  's 
am  meas  a  bh'  aic'  air  feadhainn  de  na  minist- 
earan  a  b'  aithne  dhi.  Am  measg  na  feadhnach 
sin  bha  'n  t-Ollamh  MacI.eoid,  mac  "Caraid  nan 
Gaidheal,"  agus  faodaidh  gur  maith  leis  a'  chuid 
sin  d'  ar  luchd-leughaidh  nach  do  leugh  an 
leabhar  's  a'  Bheurla,  sinn  a  thoirt  dhaibh  an 
Gaidhlig  barail  na  Ban-righ  air. 

Baile-Mhoireil 
An  dara  Domhnach  'sa'  Cheitein  1862. 
Shearmonaich  an  t  -  Ollamh  Macleoid,  is 
seirbhis  eil'  a  bu  shimplidh  's  a  bu  taitniche  's  a 
bu  druightiche  cha  chuala  mi  riamh.  Labhair  e 
anns  an  t-searmon  mu  thrioblaid,  mu  ghradh 
Dhe,  's  mu  fhulangas    an    t-Slanuigheir,    agus 


mu'n  doigh  anns  a  bheil  trioblaid  air  a  beann- 
achadh  dhuinn  ann  a  bhi  socruchadh  ar  cridh- 
eachan  ni's  motha  air  an  dachaidh  shiorruidh 
far  an  coinnich  sinn  na  cairdean  gaoil  a  thugadh 
bhuainn.  Bhean  an  urnuigh  a  rinn  e  air  mo 
shon  fhein  ri  m'  chridhe. 

Air  Di  Luain  chuir  a'  Bhan-righ  fios  air,  's  tha 
i  'g  radh  gu'm  b'  fheairrd  i  fhaicinn.  Bhruidh- 
inn  i  ris  mu  bhas  Phrionns'  Ailbeairt  agus  dh' 
innis  e  dhi  mu  sheana  bhoirionnach  a  chaill  an 
duine  's  a'  chlann  's  a  dh'  fhuiling  uiread  a 
thrioblaid  's  gu'n  d'  fheoraich  e  dhi  ciamar  a 
chaidh  aic'  air  a  ghiulan.  Dh'  fhag  bas  an 
duin'  ars'  ise,  toll  cho  mor  'nam  chridhe  's  gu'n 
do  thuit  gach  trioblaid  eiV  as.  Thuirt  a'  Bhan- 
righ  gu'm  b'e  sin  a  ceart  shuidheachadh  fhein  's 
gu  robh  toll  'na  cridhe  nach  gabhadh  gu  brath 
lionadh. 

Baile-Mhoireil 
An  dara  Domhnach  de  mhios 
deireannach  an  Fhoghair  1864. 

Thug  an  Dr.  Macleoid  seirbhis  thaitneach 
dhuinn.  Bha  'n  searmon  briagha,  cha  do 
leugh  e  facal  dheth  's  ghluais  e  faireachduinnean 
an  t-sluaigh  gu  h-anabarrach.  Chunnaic  mi  an 
duine  c6ir  an  deigh  an  t-searmoin  's  bhruidhinn 
mi  ris  mu'n  uallach  's  mu'n  bhrbn  a  bha  'nam 
chridhe,  's  mu  na  cuaraman  saoghalta  bh'air  mu 
ghuaillean.  Chuir  so  car  mu'n  cuairt  mi,  ach 
bha  esan  caomhal  is  faireachdail,  Ian  de  'n 
chreidimh  's  de'n  dochas  sin  is  urrainn  a 
mhain  comhfhurtachd  a  thoirt  do'n  chridhe 
bhriste.  'Na  shearmon  thuirt  e  rud  a  tha  gle 
fhior — gu  faod  sith  bhi  aig  duine  gun  solas,  's 
gu  faod  solas  a  bhi  aige  gun  sith. 

Thuirt  i  nach  cual  i  riamh  duin'  a  b'  fhearr  a 
leughadh  na  sgriobtuirean  na  e,  's  gu  robh  na 
h-urnuighean  aige  cho  simplidh,  cho  blath,  's  cho 
faireachdail  's  gur  trie  a  thug  iad  oirre  na  deoir 
a  shileadh.  Bha  Bhan-righ  coltach  ri  daoin' 
eile,  bha  cho  mhaith  leatha  ged  nach  leughadh 
ministear  a  shearmon.  Sgriobh  i  aon  uair — bha 
searmon  an  Dr.  'Ic  Leoid  anabarrach  iaitfteach, 
gu  sonruichte  'nuair  a  chuir  e  uaith  am  paipear. 
Cha  b'  abhaist  dha  'shearmon  a  leughadh  ach 
'nuair  nach  robh  e  gu  maith,  Bha  e  air  obrach- 
adh  cho  goirt  's  gu'n  do  bhrist  air  a  shlainte. 

Baile-Mhoireil 
An  Domhnach  mu  dheireadh  de'n  Cheitein  i8j2. 
Chaidh  an  t-Ollamh  Macleoid  an  ceann  na 
seirbhis.  Thug  e  dhuinn  searmon  briagha  air  a 
cheann  teagaisg,  Gu'n  tigeadh  do  Rioghachd. 
Labhair  e  mu'n  bheatha  ri  teachd  's  mu  dhochas 
nan  naomh  's  bha  'n  searmon  Ian  graidh  is  fair- 
eachduinn.  Bha  mi  cho  duilich  e  fhein  fhaicinn 
ann  an  droch  choltas.  Chunnaic  mi  e  rithist 
's  an  fheasgar.  Thuirt  e  gu  robh  'n  chair  throm 
a'  bristeadh  a  shlainte,  nach  robh  mionaid  fois 
aige  eadar  obair  fhein  is  obair  na  h-Eaglais  's  na 


48 


h-Innsean,  's  gu  feumadh  e 
neo  nach  seasadh  a  bhodhig 
rium  mu'n  bheatha  ri  teachd 
e  cinnteach  gu'n  tugadh  Dia 
taobh  thall  na  h-uagha  an  n 
E  annainn  's  an  t-saogbal  so. 
Bha  e  ni  bu  mhiosa  na 
Bhan-righ.  Thuirt  i  nach 
aice  gu  robh  chrioch  cho 
iomaguin  uime  'na  chridhe 
beannachd  aige  an  Di-Luain 


Glaschu  fhagail  air 
ris.  Bhruidhinn  e 
's  thuirt  e  gu  robh 
gu  iomlanachd  air 
i  air  an  do  thoisich 

shaoil  e  fhein  no 
robh  duil  sam  bith 
dlulh,  ged  a  bha 
nuair  a  dh'  fhag  i 
ud. 


Baile-Mhoireil 

An  siathamh  la  detig  de  vihios  meadhonach 

an  t-samkraidh  i8y2. 

Bha  mi  dol  do'm  sheomar  'nuair  thainig  am 
Briinach  's  a  dh'  iarr  e  orm  cead  facal  a  radh. 
Thuirt  e  gu  fac'  e  Cbirneal  Ponsonbi,  gu  robh 
droch  sgeul  air  tigh'nn  mu'n  011a  Macleoid,  's 
gu  robh  eagal  air  gu  robh  e  marbh.  O,  b'e  sin 
a'  bhuille  ghoirt  dhomhsa  !  Bha  e  cruaidh  ,  an 
duine  gaolach,  an  duine  caomhal,  an  duine  blath- 
chridheach  a  chall.  Chaoin  mi  gu  goirt  ach  dh' 
fheuch  mi  ri  curaail  orm  's  na  deoir  a  chasg,  is 
thug  mi  taing  do'n  Bhriinachairson  cho  caomhal 
's  a  dh'  fheuch  e  ris  an  sgeul  bhronach  a  bhrist- 
eadh  dhomh — sgeul  ris  am  bu  bheag  mo  dhuil. 
Chuir  mi  fios  air  Leopold  is  dh'  innis  mi  dha  e 
's  do  m'  mhnathan  frithealaidh  uile,  ach  is  gann 
a  b'  urrainn  sinn  a  ghabhail  a  stigh.  Thuirt 
sinn  ri  cheile  gu'm  bu  chall  e  nach  gabhadh  a 
leasachadh.  Bha  h-uile  neach  cho  bronach — 
Ban-diuc  Athuill,  Sine  Eli,  Nic  Ghriogair, 
Coirneal  Ponsonbi  agus  an  Dr.  Mac  an  Taillear 
air  an  d'  thainig  a  leithid  de  thiomadh  'nuair  a 
chual  e  an  naigheachd  's  gu  robh  e  greis  ma'n 
b'  urrainn  e  bruidhinn.  An  deigh  dhaibh  uile 
m'  fhagail,  shij  mi  na  deoir  a  rithist  oir  bha  mo 
chall  mor. 

Baik  Mhoireil 
Dihiaiti. 

Cha  luaithe  dhuisgmi  na  leum  sgeul  a'  bhr6in 
'nam  chuimhne.  Cha  b'  urrainn  mi  na  deoir  a 
chumail  air  an  ais  'nuair  a  chuimhnich  mi  air 
mo  charaid  gaoil  a  rinn  uiread  air  mo  shon,  a 
thug  dhomh  a  leithid  a  mhisnich  's  a  chomh- 
fhurtachd  ann  an  1862-63-64.  Bha  e  daonnan 
'na  thoileachadh  dhomh  fhaicinn,  ach  a  nis 
chain  mi  e  mar  a  chaill  mi  an  corr  a  bha  dhomh 
'na  chuideachadh.  Chuir  mi  naigheachd  a  bhais 
a  dh'  ionnsuidh  a  h-uile  h-aon  de  m'  chuid- 
cloinne,  's  cha  'n  urrainn  mi  m'  inntinn  a 
shocruchadh  air  rud  sam  bith  ach  an  call  a 
thainig  orm.  Tha  mi  feuchainn  ri  dol  thairis 
leam  fhein  air  na  thuirt  e  rium,  oir  cha  robh 
duine  riamh  ahns  an  robh  uidhir  earbs'  agam  ann 
an  nithean  spioradail  is  iomaguin  cridhe,  's 
cha  d'  thug  duin'  eile  uiread  misnich  is  comh- 
fhurtachd   dhomh  mu  'n  chloinn.      Bha   earbsa 


cho  mor  aige   fhein  an  Dia,  's  bha  chridhe  cho 
Ian  molaidh. 

Sgriobh  e  litir  gu  Bhan-Mhorair  Eli  ceithir  la 
deug  ma  'n  do  shiubhail  e  agus  thuiit  a'  Bhan- 
righ  gu  robh  an  litir  mar  gu'm  biodh  i  air  a 
sgriobhadh  ann  a  spiorad  na  faidhdaireachd.  Am 
measg  nithean  eile  thuirt  e — 

"  Moran  taing-  dhuibh  fein  's  do'm  Bh4n-rig;h  airson 
cuimhneachadh  orm.  Labhair  tni  d^  uair  an  uair- 
eadair  anus  an  t-Seanadh.  Cha  b'  fheaind  mi  sin, 
agus  is  mor  m'  eagal  nach  robh  blieag  a  dh'  fheum 
ann  do  dhaoin'  eile.  Bu  choir  dhomh  bhi  taingeal, 
toilichte  an  diugh.  Tha  mi  tri  fichead  bliadhna,  's 
'nam  measgf-san  a  tha  dol  a  shuidh  aig  mo  bhord  tha 
mo  mhathair,  mo  bhean  agus  mo  naomear  chloinne, 
mo  sliiathnar  bhraithrean  's  mo  pheathraichean,  agus 
d4  phiuthar  m'  athar — te  dhiu  ceiihir  iichead  bliadhna 
's  a  naoi  's  an  te  eile  tri  fichead  's  a  sia  deug.  Car- 
son a  tha  na  trocairean  so  air  am  buileachadh  ormsa 
seach  daoin'  eile  !  Is  ann  aig  Dia  a  mhain  tha  fios. 
Cha  'n  'urrainn  dhomh  'ruintean-sa  a  thuigsinn,  no 
fhaicinn  an  drasd  ciamar  a  tha  E  riaghladh  as  cionn 
a  chloinne  an  gliocas  's  ann  an  gradh,  gun  leth- 
bhreith  ri  neach  seach  a  cheile.  Ach  an  ni  nach  tuig 
sinn  an  drasd,  tuigidh  sinn  e  'na  dheigh  so  Biodh 
earbs'  againn  an  uair  nach  leir  dhuinn.  Gu'm  beann- 
aicheadh  Dia  a'  Bhan-riG;h  air  son  a  sior-mhaitheis. 
Tha  meas  ag'am  oirre  mar  bhoirionnach,  tha  gaol 
agam  oirre  mar  bhan  charaid,  's  tha  urram  agam  dhi 
mar  Bhan-righ.  Tha  a  misneach  agus  a  faighidinn 
'nan  ciiis  ioghnaidh   eam." 

ToRMOiD   Mac  Leoid. 

Bliadhna  'n  deigh  a  bhais  sgriobh  a'  Bhan- 
righ — Tha  e  eucomasach  dhomh  cunntas  ceart  a 
thoirt  do  dhuin'  eile  air  an  duine  bheannaichte. 
Cha  tuigear  ach  leosan  da'm  b'  aithn'  e  nadur  is 
gne  an  duine  chbir.  Bha  flath  is  caoimhneas 
'na  aodann,  bha  chridhe  cho  blath  's  cho  farsuing, 
a'  cur  thairis  le  gradh  is  cridhealas.  Cha  robh 
duine  riamh  ann  a  bu  mhotha  neartaicheadh 
creidimh  dhaoin'  eile  no  an  t-Olla  Macleoid. 
Bha  chreidimh  fhein  cho  laidir,  's  a  chridhe  cho 
mor  agus  gu  faodadh  ard  is  iosal,  lag  is  laidir, 
an  seachranach  bochd  's  an  duin'  ionraic,  tigh'nn 
h-uige  le  Ian  chinnt  gu  faigheadh  iad  co-fhair- 
eachdainn  no  comhnadh  uaith.  'S  ann  agamsa 
bha  'n  gaol  air  a  bhi  'na  chomhradh  's  air  a 
chomhairle  iarraidh.  Bha  tlachd  mor  aige  ann 
am  mais'  a'  chruthachaidh,  's  gaol  sonruicht'  aig' 
air  a  dhuthaich  fhein.  An  uair  mu  dheireadh  a 
bha  e  'n  so  thuirt  mi  ris  gu  robh  mi  dol  a  dh'  61 
uisge  nan  tobraichean  'nuair  rachainn  gu  deas 
air  son  mo  shlainte,  ach  thuirt  esan,  's  e  tionn- 
dadh  ri  uinneig  a  bha  sealltuinn  a  mach  air 
gleann  Dee, — Bheir  gaoth  ghlan  nam  beann  is 
samhchair  an  aite  so  slainte  d'  ur  Morachd  nach 
toir  cungaidh  sam  bith  eile.  Bha  gibht  shon- 
ruicht'  aige  air  misneach  is  furtachd  a  thoirt  do 
dhaoine  tinne,  do  dhaoin'  a  bha  dluth  air  a' 
bhas,  no  bh'ann  antrioblaid  no  io.-naguin  cridhe. 
Thuirt  ban-charaid  rium  gur  h-e  'n  Dr.  Macleoid 
a'  cheud  duin'  air  an  cuireadh  i  fios  nam  biodh  i 
ann  an  trioblaid. 


1 


-i 


Air    1. 


1909 


D'AR    LUCHD    LEUGHAIDH. 


Bliadhna  mhaith  iir  dhuibh  ! 

Tha  rudha  eile  seachad. 

Mu'n  am  so  'n  uiridh  thuirt  mi  gu'm  bithinn 
toilichte  nan  cuireadh  sibh  thugam  criomain 
Ghaidhlig  an  drasd  'sa  ritbist.  Ach  ma  thubhairt, 
cha  do  chuir;  's  air  an  aobhar  sin,  cha  'n  'eil 
reusan  taing  a  thoirt  dhaibhsan  nach  do  choisinn 
i.  Ma  dh'  fhas  sibh  sgith  am  sheanchas,  cha'n 
'eil  arach  air  ;  tha  choir'  agaibh  fhein,  's  cha'ne 
so  am  fear  a  ghabhas  a  lethsgeul.  Bhithinn-sa 
gle  thoilichte  m'  anail  a  tharruing,  nan  tairgeadh 
a  h-aon  agaibhse  dhomh  sgeul  no  laoidh.  Mur 
tairg,  bidh  a'  bhliadhna  so  mar  bha  bhliadhn'  a 
dh'  fhalbh,  sgriobhaidh  mi  fhein  na  duilleagan 
— CO  dhiu  chordas  iad  ruibh  no  nach  cord. 

Ach  rinn  mi  dichuimhne.  Chuireadh  thugam 
sgonn  searmoin,  naigheachd,  agus  laoidh,  a 
eilein  Thiriodh,  a  Ros,  's  as  a'  Mhorairne  :  's 
tha  mi  fad  an  comain  na  feadhnach  a  rinn  sin. 
Gad  nach  tug  mi  aite  dhaibh,  cha'n  ann  a 
chionn  nach  robh  iad  pongail,  ach  a  chionn  nach 
robh  iad  uile  gu  leir  freagsrrach  air  an  duilleig 
so.  Tha  fios  agam  nan  amaiseadh  an  triuir  so 
air  an  rud  a  tha  dhith  orm,  gu  bheil  iad  'nan 
deagh  luchd  pinn.  Ma  chuireas  iad  thugam  rud 
am  bliadhna,  is  docha  gu  faigh  e  aite — 'se  sin, 
ma  chuireas  iad  an  ainm  's  an  sloinneadh  ris. 
Tha  e  'na  riaghailt  agam  an  ainm  a  chur  ri  rud 
air  bith  a  sgriobhar  le  daoin'  eile,  ach  cha  'n  'eil 
mi  cur  m'ainm  ris  na  sgriobhas  mi  fhein.  Cha 
bu  mhaith  leam  urram  fhaotainn  nach  buin 
dhomh.  Cha  'n  'eil  fios  agam  co  dhiu  is  fear 
no  bean  a  sgriobh  thugam  a  Tiriodh,  oir  cha 
robh  ainm  ris  an  litir.  Tuigidh  esan  no  ise, 
mata,  carson  nach  do  chuir  mi  fios  freagairt. 

C  aite  bheil  na  baird  ?  Thatar  ag  radh  Hum 
nach  'eil  rud  a  chuireas  mi  air  'ur  beulaobh  a's 
fhearr  a  chordas  ribh  no  laoidh,  ach  ciamar  a 
bheir  mi  dhuibh  an  rud  nach  'eil  agam  ?  Cha 
do  rinn  mise  laoidh  riamh,  oir  cha  do  bhuilich- 
eadh  a'  ghibht  sin  orm,  's  mur  dean  a  h-aon 
agaibh  fhein  ceol,  feumar  deanamh  as  eugmhais. 
Tha  seorsa  dona  laoidhean  ann  do  nach 
tugainn  aite  ged  b'e  mo  bhrathair  a  chuireadh 
thugam  iad,  ach  raathig  an  seorsa  ccait,  bheirear 
am  follais  iad. 

A  rithist,  a  leughadair,  bliadhna  mhaith  iir 
dhuit,  's  los  fios  a  thoirt  do  na  baird  c'ait'  an 
sgriobh  iad,  is  e  m'  ainm  's  mo  dhachaidh : — 

DomhuU  Mac.  Laomuinn, 

Blair  Athuill, 

Am    Peairt. 


CRUITHNEACHD   IS   COGAL. 

Is  cos7nh%iil  rioghachd  neimh  ri  duine  a  chuir  siol' 
maith  ^na  fliearann,  etc. — Mata  xiii,  24. 


Ann  an  cosmhalachd  a'  chogail  tha  Criosd  a' 
teagasg  dhuinn  gun  a  bhi  'g  altram  dochas  faoin 
mu  staid  na  h-eaglais  air  thalamh.  Bha  iadsan 
ris  an  robh  E  a'  labhairt  eolach  air  teagasg  Eoin 
a'  Bhaistidh,  agus  bha  cuinihn'  aca  gu'n  do' 
labhair  Eoin  mu'n  Mhessiah  a  bha  teachd  'na 
dheigh  mar  neach  aig  a  bheil  a  ghiiit  'na  laimhy 
agus  glanaidh  e  tirlar-bualaidh,  agus  cruinnichidh 
e  a  chruithneachd  da  thigh  tasgaidh  ;  ach  loisgidh. 
e  am  moll  le  teine  nach  fcjidar  a  mhitchadh. 
Mata  Hi,  12.  Bha  fiuthair  aig  na  h-Iudh- 
aich  ri  breitheamh,  ach  feuch  chunnaic  iad 
Slanuighcar.  Bha  duil  aca  gu'm  biodh  an 
Rioghachd  a  chuir  E  air  chois  iomlan,  gu'n 
cruinnichte  innte  na  h-ionracain  uile  's  gu'n  tilg- 
teadh  a  mach  aisde  na  h-aingidh.  Anns  a'  chos- 
mhalachd  so  thuirt  Criosd  riu, — Tachraidh  sin 
ach  cha  d'  thainig  an  t-ara  fhathast.  Leigibh 
leis  a'  chruithneachd  's  leis  a'  chogal  fas  comhla 
gus  an  tig  am  fogharadh,  agus  an  cuir  Mac  an, 
duine  a  mach  'ainglean  agus  an  cruinnich  iad  an 
cruithneachd  d'a  shabhal  's  an  tilg  iad  an  cogal 
's  an  teine. 

I.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a' fits  iaobh  ri  taobh 
an  cridhegach  duin'  air  thalamh.  Cha  'n  'eil  duin'' 
air  bith  iomlan,  's  cha  mh5  tha  duin'  air  bith 
tur  aingidh.  Anns  na  daoin'  a's  fhearr  iha  iom- 
adh  failing,  's  anns  na  daoin'  a's  miosa  tha 
maitheas  air  chor-eigin.  Saoilidh  sinn  'nuair  a 
leughas  sinn  mu  dhroch  ghniomharan  Nero  nach 
robh  ann  ach  sgealb  a  Shatan,  ach  an  deigh  a 
bhais  chaidh  boirionnach  air  a'  mheadhon 
oidhch'  agus  leag  i  flur  air  a  lie.  Bu  It^ir  dh'  ise 
maith  air  chor-eigin  ann  an  com  na  h-aingidh- 
eachd  sin.  Saoilidh  sinn  uairean  gu'n  d'  amais 
sinn  air  duin'  iomlan,  duin'  anns  nach  'eil  ach 
smior  a'  chruithneachd,  ach  'nuair  a  gheibh  sinn 
ni's  dluithe  dha,  's  dh'  eisdeas  sinn  r'a  chomh- 
radh  ri  taobh  a'  ghealbhoinn,  chi  sinn  gu  bheil 
gas  no  dha  de  'n  chogal  ann  mar  an  ceudna. 
Air  an  laimh  eile  saoilidh  sinn  uairean  gu'n 
d'amais  sinn  air  diu  nam  fear,  duin'  anns  nach 
'eil  dad  ach  cogal,  ach  'nuair  a  thig  sinn  ni's 
dluithe  dha,  chi  sinn  an  sid  's  an  so  dias  cruith- 
neachd. Anns  na  naoimh  a's  fhearr  cha  'n  'eil 
an  t  achadh  aig  Criosd  dha  fhein  gu  buileach,  's 
anns  na  peacaich  a's  seachranaiche  cha  'n  'eil  e 
aig  Satan.  Tha  'n  cruithneachd  's  an  cogal  a' 
fas  taobh  ri  taobh.      Is  dana,  mata,  an  neach  a 


2 


iha  deas  gu  breith  a  thoirt  air  daoin'  eile.  Bu 
-hor  dhuinn  sin  fhagail  aig  Dia.  Ma  ghabhas 
inne  gnothuch  ri  rud  nach  aithne  dhuinn  is 
d6cha  gu'n  teid  sinn  fada  cearr,  's  gu'n  toir  sinn 
cuid  nan  gobhar  do  na  caoraich.  Cha  lugha  na 
Diafhein,  a  tha  iomlan  an  eolas,  an  caomhalachd 
's  an  co-fhaireachduinn,  a  hheireadh  breith  cho- 
thromach  air  rud  cho  diomhair  's  cho  do- 
rannsaichte  ri  cridhe  'n  duine. 

II.  Tha  cruithneachd  is  coga/  a'  fas  taobh  ri 
taobh  anns  a  huile  obair  ris  an  cuir  daoin'  an  Inmh. 
'Nuair  a  sgriobh  Pol  gu  eaglais  Chorint  mhol  e  i 
airson  a  h-eud,  's  thug  e  buidheachas  do  Dhia 
airson  a  saothair  's  a  dichioll  ann  an  seirbhis  an 
t-soisgeil,  ach  leis  an  ath  anail  thuirt  e—nochdadh 
■dhomhsa  gu  bheil  comhstri  'nur  measg.  Bha 
maith  is  olc,  eud  is  comhstri  taobh  ri  taobh  anns 
na  h-aon  daoine.  Air  cho  eudmhor  's  gu'm  bi 
seirbhisich  an  Tighearn,  's  air  cho  aon-sgeulach 
's  gu'm  bi  iad  'nuair  a  chuireas  iad  romhpa  tois- 
eachadh  air  obair  anns  an  Rioghachd,  faodar 
a  bhi  cinnteach  nach  teid  i  fad  air  a  h-aghaidh 
gus  am  bi  a  chorrag  aig  Satan  innte.  Far  am  bi 
daoine  cruinn— co  dhiu  is  buill  eaglais  iad  no 
nach  h  eadh — faodar  a  bhi  cinnteach  gu'm  bi 
farmad  is  uabhar  is  comhstri  is  raiteachas  is 
■droch  nadur  an  sin,  agus  iomadh  rud  eile  nach 
buin  do  Dhia.  Tha  moran  dhaoin'  ann  a 
thilgeas  uapa  an  obair  ma  chi  iad  nach  'eil  an 
companaich  de  'n  aon  inntinn  riutha  fhein,  no 
ma  chuirear  iad  taobh  ri  taobh  ri  companaich 
nach  cord  riu.  B'  fhearr  leo  bhi  'nan  tamh  seach 
a  bhi  air  an  salachadh  le  cogal.  Ach  cha  b'e 
sin  inntinn  Phoil.  Bha  comhoibrichean  aige- 
san  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil  a  bha  maith  is 
•dona :  bha  cuid  dhiu  a'  searmonachadh  Chriosd 
tre  fharmad  agus  cuid  eile  tre  dheadh-thoil,  cuid 
tre  chonnspoid  agus  cuid  eile  o  ghradh,  ach  cha 
■do  chuir  sin  aon  chuid  ioghnadh  no  fearg  air 
P61,  agus  is  e  thubhairt  e— Ciod  ma  ta  ?  Co  aca  is 
arm  an  coslas  a  mhain,  no  da  rireadb,  tha  Criosd 
air  a  shearmonachadh,  tha  mise  a'  deanamh 
gairdeachais.  Philip  i,  i8.  Mar  gu'n  abradh  e 
ris  na  seirbhisich  mhaith — Tha  fhios  agam  gu 
bheil  companaich  agaibh  'nar  n-obair  a  tha  toirt 
oilbheum  dhuibh  do  bhrigh  gu  bheil  amharus 
ngaibh  nach  'eil  annt  ach  cogal,  ach  biodh 
faighidin  agaibh  agus  leigibh  leo,  giulanaibh  le 
failingean  'ur  comh-oibrichean  ann  an  sith,  oir 
tha  'n  obair  fhein  ni's  motha  no  na  seirbhisich. 
Chabhiodh  ann  ach  amaideas  saonas  a  ghabhail, 
's  an  obair  a  thilgeil  as  arlamhan,  murfaigh  sinn 
companaich  air  reir  ar  n-inntinn,  's  mur  bi  na 
seirbhisich  uile  iomlan:  ni  an  duine  glic  a'  chuid 
a's  fhearr  de'n  chuid  a's  miosa.  Nach  bu  truagh 
cor  an  t-saoghail  nan  do  dhiult  an  Slanuighear 
sin  a  dheanarnh  !  Thog  Esan  an  garadh  le 
clachan  a  dhiult  clachairean  eile.  Ghiulain 
E  le  aineolas  is  laigs'  is  failingean  nan  Abstol  gu 
faighidinneach.       B'e    ludas    dias    cogail    cho 


salach  's  cho  puinnseanta 's  a  dh' f  has  riamh  ann 
an  achadh,  ach  cha  do  spion  Criosd  as  an  talamh 
eadhoin  an  dias  sin.  Cha  do  chuir  E  cul  ri 
ludas  gus  an  do  chuir  ludas  cul  ris.  Cha  robh 
anns  na  h-Abstoil  aig  am  feabhas  ach  naoimh 
bhochda,  's  gu  deireadh  an  latha  bha  iad  fad  o 
iomlanachd,  ach  ghiulain  Criosd  leis  a'  chogal  a 
bu  leir  dha  annta  air  sgath  a'  chruithneachd  a 
bha  fas  annta. 

ITT.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a  fas  taobh  ri 
taobh  anns  an  Eaglais.  Is  e  'n  cruithneachd 
clann  na  Rioghachd  agus  an  cogal  clann  an 
droch  spioraid.  Bha  cealgairean  is  mealltairean 
anns  an  Eaglais  o  thoiseach  agus  is  coltach  gu'm 
bi  gu  deireadh.  Tlia  Criosd  a'  teagasg  anns  a' 
chosmhalachd  so  gur  h-olc  an  ghnothuch  a  bhi 
mar  sin,  ach  nach  gabh  e  leasachadh  an  drasd. 
'Nuair  bha  E  fhein  air  thalamh  bha  cuid  'ga  lean- 
tuinn  cha  'n  ann  a  chionn  gu'm  fac'  iad  na  miorbh- 
uilean,  ach  a  chionn  gu'n  d'ith  iaddenabuilinnibh 
's  gu'n  do  shasuicheadh  iad.  Eoin  vi,  26.  Bha 
iad  a'  meas  gur  buannachd  an  diadhaidheachd. 
Tha  'n  seorsa  dhaoine  so  's  an  Eaglais  gus  an 
diugh.  Is  maith  leo  ainm  na  diadhaidheachd  a 
bhi  aca,  ged  a  tha  iad  caoin  shuarach  mu'n 
taitbhe.  Is  maith  leo  bhi  measg  nan  caorach, 
ged  nach  toigh  leo  dealachadh  ri  nadur  nan 
gobhar.  Is  beag  aca  gu  de  shaoileas  Dia  dhiu 
ma  gheibh  iad  deagh  chliu  o  dhaoine.  Thuirt 
an  t-Abstol  Pol  gu'm  bu  shuarach  leis-san 
breitheanas  dhaoine,  is  e  an  Tighearn  a  bheir 
breith  orm,  I  Cor.  iv,  4,  ach  is  e  theireadh 
moran  nan  labhradh  iad  an  fhirinn  gur  suarach 
leosan  breitheanas  Dhe  seach  breitheanas 
dhaoine.  Bheir  eagal  dhaoin'  orra  an  taobh  a 
muigh  do'n  chupan  a  ghlanadh,  ged  nach  toir 
eagal  Dhe  orra  an  taobh  a  stigh  dheth  a  ghlan- 
adh. Aidichidh  iad  ainm  Dhe  am  follais,  ach 
an  uaigneas  cha  dean  iad  a  thoil.  Tha  chealg- 
aireachd  dona  gu  leor  ann  an  nithean  saoghalta 
ach  tha  i  seachd  uairean  ni's  miora  ann  an 
nithean  spioradail.  Faodaidh  na  mealltairean 
sgleo  a  chur  air  suilean  dhaoine,  ach  cha  chuir 
iad  sgleo  air  suil  an  Tighearn  a  tha  mar  mhile 
coinneal.  Chuir  e  an  da  chuid  carraid  is  iogh- 
nadh  air  na  seirbhisich  cogal  a  bhi  fas  anns  an 
fhearann  comhla  ris  a'  chruithneachd,  agus  nan 
d'  fhuair  iad  an  doigh  fhein  spionadh  iad  as  a 
fhreumhaichean  gach  gas  dheth, — An  aill  leaf 
gicn  teid  sinne  agus  g'u'n  cruifmich  sinn  ri  cheik 
iad?  Ged  nach  tug  Tighearn  an  fhearainn  cead 
dhaibh  sin  a  dheanamh,  faodaidh  sinn  a  bhi 
cinnteach  nach  robh  e  diumbach  gu'n  d'  iarr  iad 
an  cothrom.  Thuig  e  gur  h-e  meud  an  eud  's 
an  dilseachd  a  thug  orra  bhi  'na  leithid  a 
chabhaig.  Is  duine  suarach  esan  nach  d'thainig 
e  riamh  'na  inntinn  an  glanadh  ceudna  dhean- 
amh air  Eaglais  Chriosd,  a  thairg  na  seirbhisich 
so  a  dheanamh  air  an  achadh  arbhair.  Air 
uairean  saoilidh  sinn  gur  gnothuch  furasd  e,  ach 


^ 


I 


tha  Criosd  a  teagasg  nach  'eil  e  idir  cho  furasda 
'sa  tha  sinn  an  dull.  Tha  e 'na  aobhar  brbin  do 
Che.inn  na  h-Eaglais  mealltairean  a  bhi  'n  taobh 
a  stigh  d'a  gealachan  cho  mhaith  ri  fior  Chriosd- 
uidhean,  ach  tha  E  'g  iarraidh  oirre  giulan  leis 
na  cealgairean  gu  faighidinneach  ait  sgath  nan 
Criosduidhean,  dail  a  chur  anns  an  dealachadh 
gus  an  tig  am  Fogharadh.  Bu  mhaith  do'n 
Eaulais  nan  do  lean  i  teagasg  a  Maighstir.  Bha 
amannan  'na  h-eachdraidh  anns  an  do  shaoil  i 
gu  robh  i  na  bu  ghhce  na  Esan,  agus  ghabh  i 
cuisean  'na  laimh  fhein.  Chuir  i  roimhpe  nach 
fuilingeadh  i  an  cogal  ni  b'  fhaidhe,  ach  is 
e  bu  deireadh  do'n  ghnothuch  gu'n  do  thilg  i 
mach  na  martaraich  agus  feadhainn  eile  ris  an 
abrar  an  diugh  smior  a'  chruithneachd.  'Nuair 
a  tiioisichear  air  spionadh,  is  trie  a  gheibh  an 
cogal  a  chuid  a's  fhearr  dheth.  Faodaidh  Sean- 
adh  is  cleirean  is  Seiseinean  na  h-eaglais  gach 
dearbhadh  a  ihogras  iad  a  chur  air  na  buill  a 
thaobh  beath'  is  creidimh — 's  tha  e  iomchuidh 
is  freagarrach  gu'n  deanadh  iad  sin — ach  'na 
dheigh  sin  uile  bidh  an  cruithneachd  's  an  cogal 
taobh  ri  taobh  's  an  Eaglais  fhaicsinnich.  Bidh 
cuid  a  muigh  a  bu  chor  a  bhi  stigh,  's  bidh  ainm- 
ean  air  an  sgriobhadh  an  leabhraichean  coman- 
achaidh  nach  'eil  sgriobhta  an  Leabhar  na 
Beatha  air  neamh.  Tha  diomhaireachd  's  an 
leabhar  sin  a  bhios  air  a  chleith  o'n  t-saoghal 
gus  an  cuir  Dia  a  mach,  mar  bhiianaichean,  na 
h-ainulean. 


AM    FASGADAIR. 


Bha  mi  ann  an  seanchas  ri  bodach  geur  a 
mhuinntir  Thiriodh  an  uiridh,  agus  air  dhuinn 
tarruing  a  thoirt  air  duine  sonruichte  nach  faca 
mise  riamh,  ach  ris  an  robh  esan  a'  tagar  cairdeas 
fada  mach,  dh'  fhaighneachd  mi  dheth  gu  de  'n 
seorsa  duin'  a  bh'ann.  Ma  ta,  ars'  am  bodach, 
faodaidh  tu  bhi  coma,  cha  robh  ann  ach  an  daor 
fhasgadair.  Chord  am  facal  rium,  oir  thuig  mi 
gu  maith  gu  de  bha  'm  bodach  a'  ciallachadh. 
Cha  deanainn  an  cbrr  mineachaidh  air  an  fhacal, 
mur  b'e  gu  bheil  amharus  agam  gu  bheil  cuid  a 
leughadairean  na  duilleig  so  do  nach  aithne  an 
t-eun  ris  an  abrar  'sa'  Ghs\d\\\\gfasgadair,  no  's 
a'  Bheurla,  skua.  Tha  e  r'a  fhaotainn  air  clad- 
aichean  na  h-aird  an  lar  agus  tha  aon  droch 
cleachdadh  aige  a  mhill  a  chliu.  An  aite  solar- 
adh  airson  a  loin  gu  dichiollach  mar  ni  creutair- 
ean  eile,  tha  e  faotainn  a  bheothlainn  le 
lamhachas-laidir.  An  aite  'sgairbh  a  thoirt  a 
creagandha  fhein',  tha  e  tigh'nn  beo  air  saothair 
chaich.  Cha  ruig  an  Jeisg  leis  iasgach  a  dhean- 
amb,  ach  neo-ar-thaing  nach  toigh  leis  suipeir 
eisg.  Bidh  e  leantuinn  nam  faoileann  a  bhios 
ag  iasgach,  agus  an  uair  a  mhothaicheas  e  gu'n 


d'  fhuair  t^  dhiubh  cobhartach  maith,  theid  e  as 
a  deigh  agus  gabhaidh  e  dhith  le  ghob  's  le 
sgiathan  gus  an  tilg  an  fhaoileag  bhochd  a  mach 
an  t-iasg  a  tha  'na  goile.  Is  e  sin  a  tha  dhith 
air  an  fhasgadair,  agus  tha  shiul  cho  biorach  's 
tha  e  cho  sgiobalta  's  cho  laidir  air  an  iteig',  's 
gu'm  beir  e  air  na  thilg  an  fhaoileann  uaipe  ma 
ruig  e  'n  fhairge.  Tha  eagal  an  gonaidh  aig 
cuid  de  na  h-eoin  eile  roimhe,  agus  ma  chi 
thusa,  leughadair,  faoileann  agus  stearneal  ann 
an  diurais  ri  cheile  air  stac  creige,  no  ann  an 
gob  na  tuinne,  faodaidh  tu  bhi  cinnteach  gur 
h-ann  a'  cur  sios  air  an  fhasgadair  a  tha  iad. 
Ged  tha  'n  fhaoileann  ni's  motha  na  'n  stearneal 
cha  'n  'eil  i  idir  cho  tapaidh  no  cho  misneachail 
ris.  Cha  'n  fhaca  mi  faoileann  riamh  a'  tionn- 
dadh  air  fasgadair,  no  a'  seasamh  a  laraich  seach 
a  sporran  a  liubhairt  dha  ;  ach  chunnaic  mi  uair 
is  uair  stearneal  a'  tionndadh  air  cho  clis  's  gu 
iiimheil,  's  nach  bu  ruith  ach  leum  leis  an 
fhasgadair  faotainn  air  falbh  uaith.  Ach  mar  is 
bitheanta,  tha  eagal  aig  an  stearneal  roimhe  mar 
th'  aig  na  faoileannan,  's  cha  tionndaidh  e  air  a 
namhaid  gus  am  bi  cuisean  a'  dol  thar  tomhais 
air.  Anns  an  eachdraidh  a  sgriobh  am  ministear 
Mac  Amhlaidh  air  h-Iort,  tha  e  'g  innseadh  gu 
robh  grain  uamhasach  aig  muinntir  an  eilein  air 
an  fhasgadair,  's  gu'm  biodh  iad  a'  deanamh 
diol  oillteil  air  a  h-uile  fear  dhiu  air  am  faigh- 
eadh  iad  greim.  Cha  'n  e  mharbhadh  idir  a 
dheanamh  iad,  ach  chuireadh  iad  as  na  suilean 
le  bior,  is  dh'  fhuaigheadh  iad  a  sgiathan  ri 
rheile,  's  leigeadh  iad  as  e  'na  eireablach  mar 
sin.  Cha  'n  'eil  na  h-Iortaich  r'a  moladh  airson 
an  gniomha,  ach  is  ddcha  gu'n  tug  am  fasgadair 
reusan  dhaibh  airson  an  an-trocair.  Tha  iadsan 
an  urra  ri  eoin  airson  an  loin,  's  tha  'm  fasgadair 
gaolach  air  uibhean,  's  tha  e  mar  sin  a'  toirt  a' 
ghreime  as  am  beul. 

Tuigidh  tu  nis,  a  leughadair,  gu  de  bh'ann  an 
inntinn  a'  bhodaich  'nuair  thuirt  e  nacli  robh 
anns  an  duin'  eile  ach  an  daor  fhasgadair.  Tha 
na  daoine  car  coltach  ris  na  h-eoin  :  tha  cuid 
dhiu  ni's  uaisle  's  ni's  onaraiche  no  each.  Cha 
'n  'eil  aon  chuid  uaisle  no  onoir  anns  an  duin'  a 
tha  faotainn  a  bheothlainn  lebhi  toirt  a'  ghreime 
a  beul  na  feadhnach  air  a  bheil  ceann-fodh' 
nige.  Tha  ceann-fodha  aig  an  fhasgadair  air  na 
faoileannan  ach  is  suarach  an  cliu  dha  sin.  Dh' 
fhaodadh  e  16n  fhaotainn  air  sheol  eile,  oir  tha 
e  luath  laidir;  ach  eadarsannt  is  leisg  is  mosaiche 
naduir,  's  fhearr  leis  a  bhi  'na  shliomair  am 
measg  eun  eile  seach  dol  a  dh'  iasgach  air  poll 
dha  fhein.  Ma  chi  thusa  duine  leasg,  lunndach, 
a  leigeas  ceann  trbm  an  uallaich  air  a  mhnaoi  no 
air  a  mhathair  no  air  a  phiuthair,  a  dh'  olas  gun 
naire  na  choisinn  iadsan,  's  a  bhios  coma  ged 
bhiodh  an  t-acras  orra  ma  tha  chorp  fhein  air 
dealbh,  faodaidh  tu  bhi  cinnteach  gur  h-a:in  de 
shiol  an  fhasgadair  e. 


Ach  cha  b'e  so  a  bha  'm  bodach  a'  ciallach- 
adh.  Tha  fasgadair  is  fasgadair  ann.  Cha  robh 
'n  duine  air  an  robh  sinn  a'  bruidhinn  idir  leasg. 
'Na  aite  sin,  's  ann  a  bha  e  dichiollach,  deanad- 
ach,  saoghaltar  Bha  e  'na  dhuine  glic,  'na 
cheann-teaghlaich  smachdail,  's  'na  bhall  eaglais. 
Cha  b'  urrainn  an  saoghal  corrag  a  chur  air,  ged 
a  theireadh  a  choimhearsnaich  riut  ann  an  cagar 
gu  robh  e  car  gionach,  is  cruaidh  chridheach,  's 
gu  feumadh  an  suilean  a  bhi  fosgailte  an  am  bhi 
deanamh  malairt  ris.  Ach  an  ni  a  theireadh  na 
coimhearsnaich  an  uaigneas  le  guth  iosal,  thuirt 
am  bodach  am  follais  le  guth  farumacb,  agus  am 
briathran  a  bu  gheire, — cha  robh  aim  ach  daor 
fhasgadair.  Cha  b'e  sin  do'n  bhodach  fhein ; 
bu  bheag  a  bh'  annsan  a  ghne  an  fhasgadair  : 
nan  robh  chridhe  ni  bu  chruaidhe,  bha  sporran 
an  diugh  ni  bu  truime,  ach  mar  d'  thubhairt 
cailleach  nan  stamh,  tha  beannachd  nam  bochd 
'na  lorg.  Tha  e  beo  fhathast,  's  tha  mi  'n 
dochas  gu'm  bi  feasgar  a  latha  cho  suaimhneach 
's  a  bha  e  fhein  cho  fialaidh.  Tha  fios  agam 
nach  faic  esan  an  duilleag  so,  's  nach  tuig  duin' 
eile  CO  tha  mi  ciallachadh,  ach  tha  e  'na  thoil- 
eachadh  dhomh  fhein  iomradha  thoirt  air  duine 
c6ir  a's  ro  thoigh  leam  's  air  nach  beag  mi. 

Theirinn  fasgadair  ri  duin'  a  ghabhas  cothrom 
air  feum  neach  eile.  Ma  bha  thusa,  leughadair, 
cho  mi-fhortanach  's  gu'n  deachaidh  tu  an  luib 
a  leithid  sin  a  dhuine,  cha  leig  e  as  a  chrogan 
thu  gus  an  toir  e  dhiot  an  t-seiche.  Cuiridh  e 
beul-boidheach  ort  gus  a  faigh  e  'na  eiseimeil 
thu,  's  nuair  a  gheibh  chi  thu  gu  bheil  innean 
air  spbgan  a'  chait.  Cha  'n  aithne  dha  iochd. 
Neo-ar-thaing  nach  bi  e  geanail  riut  cho  fad  'sa  tha 
rud  agad  a's  urrainn  e  thoirt  bhuait,  ach  'nuair 
a  theirgeas  an  criomadh,  stadaidh  an  gean. 
Gheibhtear  an  seorsa  so  anns  gach  ceairrd  fo'n 
ghrein,  's  anns  gach  cearn  air  thalamh,  ged  a  bhi- 
tear  a'  cur  air  marsantan  is  luchd  lagha,  ludhaich 
is  luchd  malairt  airgid,  gur  h-ann'nam  measgsan 
a's  bitheanta  thachrar  orra.  B'e  barail  Phara 
mhoir,  a  b'  abhaist  seanchas  cho  tlachdmhor  a 
dheanamh  ri  'Caraid  nan  Gaidheal,'  gur  he 
pailteachd  an  lagha,  gorta  na  tire.  Ma  stuigear 
abhagan  an  lagha  ann  an  duine,  arsa  Para, 
faodaidh  se  e  fein  a  mheas  fortanach  ma  gheibh 
e  as  gun  larach  am  fiacall  a  bhi  'na  shail.  Cha'h 
urrainn  mi  radh  co  dhiu  a  bha  Para  ceart  no 
cearr,  oir  taing  do  Ni  Maith  sheachain  mi  'n 
lagh  gus  a  so,  's  cha  do  stuig  mi  abhag  an  duin' 
eile,  's  cha  mho  a  stuigeadh  annam  i.  Tha  e 
furasda  gu  leor  do'n  duine  ghlic  na  fasgadairean 
a  sheachnadh  :  paigheadh  e  'rathad,  seachnadh 
e  lagh  is  fiachan. 

Tha  fasgadairean  beag'  eile  ann  a  tha  ma  dh' 
fhaoite  ni's  lionmhoire  ro  na  feadhainn  mhora 
dh'  ainmich  mi,  'se  sin  r'a  radh,  daoine  spiocach 
nach  maitheadh  am  bonn-a-sia  d'an  sean-mhath- 
air.     Cha  toir  iad  dhuit  am  baraile  buntata  mur 


'eil  airgiod  ullamh  'na  d'  laimh.  'Nuair  a  bhios 
ckch  'ga  reic  air  criin  am  baraile,  iarraidh  iadsan 
sia  tastain.  Ma  cheannaicheas  tu  uapa  adag 
eorna,  cha  ruig  thu  leas  fiuthair  a  bhi  ort  ri 
sguab  a  bharrachd.  Tha  an  seorsa  so  gu  bith- 
eanta 'nan  daoine  cearta,  laghail ;  ach  ged  nach 
urrainear  eucoir  a  chur  as  an  leth,  cha  mho  is 
urrainear  a  radh  gu  bheil  iad  r'a  moladh.  Tha 
iomadh  rud  laghail  nach  'eil  dligheach.  Cha'n'eil 
teagamh,  ma  sheallas  sinn  air  a'  ghnothuch  air 
reir  litir  an  lagha,  nach  robh  Ian  choir  aig  an 
t-seirbhiseach  m'a  bheil  sinn  a'  leughadh  anns  a' 
chosmhalachd,  breith  air  sgornan  air  an  fhear 
eile,  's  iarraidh  air  a  chuid  fhein  a  phaigheadh 
dha.  Tha  e  coltach  gu'n  d'  thug  e  dha  uair- 
eigin  tri  puinnd  's  a  deich  an  iasad,  's  bha  e  'n 
taobh  a  stigh  d'a  choraichean  abhagan  an 
lagha  stuigeadh  ann  'nuair  bha  'n  nine  dol 
seachad  's  nach  robh  iomradh  aig'  air  paigh- 
eadh. Bha  'n  lagh  air  a  thaobh  gun  teagamh, 
ach  aig  a'  cheart  am,  bha'n  gniomh  a  rinn  e 
leibideach  is  an-iochdmhor,  gu  sonruichte  'nuair 
a  chuimhnicheas  sinn  gur  he  trocair  is  caomh- 
alachd  neach  eile  a  chum  e  fhein  o'n  phriosan. 
Cha  robh  ann  ach  an  daor  fhasgadair.  Cha'n'eil 
an  garadh  criche  eadar  ceartas  is  ana-ceartas 
ach  gle  iosal,  agus  is  trie  leosan  aig  a  bheil  an 
inntinn  laghail  leum  thairis  air.  Cha  'n  'eil  ann 
an  ceartas  air  uairean  ach  ana-ceartas,  mur  'eil 
e  air  a  mheasgadh  le  trocair.  Tha  'm  fear  aig 
a  blieil  an  inntinn  laghail  buailttach  air  a  bhi 
'na  fhasgadair,  mur  toir  e  'n  aire,  's  mur  cum  e 
nadur  fo  dheagh  smachd;  's  tha  'm  fear  aig  nach 
'eil  dad  dhi  idir  buailteach  air  a  bhi  'na  ghaoth- 
aran  amaideach,  as  an  toir  gach  trusdar  a 
thachras  air,  an  car.  Cha  mhisd  duine  beagan 
lagha  bhi  'na  cheann  ma  tha  trocair  'na  chridhe. 
Is  maith  le  cheil'  iad,  agus  ma  tha  spiorad  an 
t-soisgeil  'nar  cridheachan,  cumaidh  e  an  inntinn 
laghail  'na  h-aite  fhein. 

Gu  de  theireadh  tu  ris  a  bhalach  mhor  nach 
tugadh  greis  de'n  sgithinn  do'n  bhalach  bheag, 
gun  riadh,  ach  gu  robh  nadur  an  fhasgadair  a 
tigh'nn  am  follais,  's  gu  robh  'n  t-am  aig  'athair 
comhairle  Sholaimh  a  ghabhail,  's  am  ball  a 
dheanamh  deas. 


LAOIDH    626. 


Gach  uile  thir,  's  gach  uile  shluagh, 
Air  cliii  a'  Chruitheir  biodh  a'  kiaidh  ; 
Is  ainm  an  t-Sian'gheir  biodh  gach  beul 
San  domhan  mh6r  a'  cur  an  an  ceill. 
A  Dhia,  do  thrdcair  mairidh  sior, 
Is  d'  fhacal  tha  gu  siorruidh  fior ; 
Lionaidh  do  ghl6ir  an  saogh'l  gu  leir, 
Co  mhairean,  buan,  ri  grian  nan  speur. 

Amen, 


i 
I 

i 


Air    2. 


1909. 


CRIOSD  IS   MUIRE. 


'  Ghabh  Muire  punnd  do  oladh  spicnaird  ro 
luachmhor,  agus  dK  ung  i  casan  losa,  agus 
thiormaich  i  a  chasan  le  'fait. — £oin  xii.  j. 

Air  do  losa  bhi  dol  suas  a  dh'  lerusalem  gu 
feill  na  Caisge,  chuir  e  seachad  oidhch'  am 
Betani,  maille  ri  Lasarus  's  ri  dha  phiuthair. 
Cha  robh  ioghnadh  geda  dheanadli  an  teaghlach 
ud  fiuthair  ris,  oir  chuir  e  comain  orra  nach  b' 
urrainn  iad  a  dhichuimhneachadh.  Cha  robh 
uair  a  thainig  e  riamh  g'  an  ionnsuidh  nach 
d'fhuair  iad  beannachd  an  lorg  a  theachd.  An 
uair  mu  dheireadh  a  bha  e  'm  Betani,  bha  brbn 
is  bristeadh  cridhe  's  an  dachaidh  so  ;  ach  ghabh 
e  truas  do  na  peathraichean,  's  thug  e  dhaibh 
oladh  aoibhneis  an  aite  culaidh  bhroin. 

Cha  'n  'eil  teagamh  nach  cuala  Lasarus  's  a 
pheathraichean  an  t-ordugh  a  chaidh  a  mach  o 
na  h-ard-shagairtean  's  o  na  Pharasaich  aig  an 
am  so — nam  kiodh  fkios  aig  neach  air  hith  cait 
ail  robh  e,  gtin  innseadh  se  e,  clmin  gun  glacadli 
iad  e.  Eoin  ii,  57.  Ach  ma  chuala,  cha  d' thug 
iad  suim  do'n  aithn'  euocraich;  's  cha  do 
thionndaidh  iad  an  cul  air  a'  charaid  chaomhal 
a  rinn  trocair  orra  ann  an  la  na  trioblaid. 

Ach  bha  tuilleadh  's  an  triuir  so  am  Betani  a 
rinn  fiuthair  ri  Croisd,  's  a  bha  deonach  air 
aoidheachd  a  thoirt  dha  an  oidhch'  ud.  B'e  aon 
dhiu  sin  Simon,  an  lobhar,  Marc  xiv,  j.  Co  e 
Simon,  cha'n  urrainnear  a  radh  ;  ach  tha  e  gle 
choltach  gu'n  do  leighis  Criosd  e  uaireigin. 
Bha  'n  luibhre  'na  galair  cho  uamhasach  's  gu 
faodadh  Simon  a  radh  gu  robh  esan  air  a  thoirt 
o  na  marbhaibh  cho  cinnteach  's  a  bha  I,asarus 
fhein.  Cha  luaithe  chual  e  gu  robh  Criosd  anns 
a'  bhaile  na  rinn  e  suipeir  deas,  chum  urram  a 
thoirt  dha.  Bha  fios  aig  Simon  gu'm  bu  mhaith 
le  Muire,  's  le  Marta,  's  le  Lasarus  a  bhi  lathair, 
's  chuir  e  fios  orrasan  mar  an  ceudna.  Aig  an 
tsuipeir  bha  Marta  mar  bha  i  riamh — 'na  fuil  's 
na  fallus  a'  frithealadh.  B'e  sin  a  gne,  's  ged  a 
bhitear  a'  faotainn  coire  dhi  airson  a  driop, 
bu  shuarach  an  fhailing  e.  Bha  i  'na  deagh 
bhean-tighe,  agus  is  e  leithid  Marta  a  bh' 
aig  an  duine  ghlic  's  an  t-sealladh  an  uair 
a  thuirt  e  : — 


Bheir  i  an  aire  do  shlighibh  a  teaghlaich;  agus 
cha  'n'  ith  i  aran  an  diomhanais. 

Fosgailidh  i  a  glac  do'n  truaghan  ;  agus  shiidh 
i  a  lanihan  do'n  fheumach. 

Aithnichear  anns  na  geataihh  a  fear,  an  uair  a 
shuidkeas  e  ?nailie  ri  seanairibh  na  tire. 

Eiridh  a  clann  agus  beannaichidh  iad  i;  a  fear, 
agus  nwlaidh  e  i. 

Cha  d'  f  hosgail  Lasarus  a'  bheul  fad  na  h- 
oidhche  ;  co  dhiu,  cha  'n  'eil  a  haon  de  na  tri 
soisgeulaichean  ag  radh  gu'n  d' fhosgail.  Tha 
cuid  a  dhaoin'  ann  a  b'  fheairrd  ionnsachadh  a 
bhi  corr'  uair  'nan  tosd.  Ach  cha  b'  ann  dhiu 
sin  Lasarus.  Bha  eolas  aig'  air  nithean  air  a 
bheil  daoin'  ag  iarraidh  soluis  o  thoiseach  an 
t-saoghail  gus  an  latha  diugli ;  ach  ma  bha,  chum 
e  sin  air  fhein.  Bha  e  tri  laithean  air  taobh 
thall  na  h-uagha  ;  ach  cha  d'  innis  e  riamh  do 
dhuin'  eile  gu  de  chunnaic,  no  chuala,  no  dh' 
fhairich  e. 

Cha'n  e  Simon,  no  Marta,  no  Lasarus  a  tha 
tarruing  ar  n-aire  anns  an  eachdraidh  so  ach 
Criosd  is  Muire.  Tha  mi  'n  duil  nach  robh 
neach  eile  riamh  aig  an  robh  gaol  cho  nior  air 
Criosd  's  a  bh'  aig  Muire,  ach  a  mhain  a 
mhathair.  Dh'  eirich  i  o'n  bhord,  ghabh  i  'na 
laimh  am  bocsa  alabastair,  agus  air  dhi  a 
bhriseadh,  dh'  iing  i  cheann  's  a  chasan  leis  an 
oladh  luachmhor.  Bha  i  coma  gu  de  shaoileadh 
each  dhi.  Bha  cridhe  cur  thairis  le  gradh  do 
Chriosd,  's  ghabh  i  an  doigh  so  air  a  faireach- 
duinn  a  nochdadh  dha.  Faodaidh  e  bhith  gur 
h-ann  chum  corp  Lasaruis  iingadh  an  deigh  a 
bhais  a  cheannaich  i  fhein  's  a  piuthar  an  ola;  's 
ma  tha  sin  fior,  cha  robh  ioghnadh  sam  bith  ged 
a  dhoirt  i  an  tabhartas  buidheachais  so  air  ceann 
an  ti  a  ghabh  truas  rithe  na  h-eigin,  's  a  thug  a 
brathair  air  ais  o'n  bhas. 

Tha  Mata  is  Marc  ag  radh  gu  robh  fearg  air 
na  deisciobuil  'nuair  a  chunnaic  iad  an  rud  a 
rinn  i,  's  gu'n  d'  thuirt  iad — Dh'fhaodadh  an 
oladh  so  a  bhi  air  a  reic  air  mhoraii,  's  air  a  ioirt 
do  na  bochdan.  Tha  'n  Abstol  Eoin  ag  radh  gur 
h-e  ludas  a  mhain  a  rinn  gearan  ;  's  los  buille 
thoirt  do  chompanach  nach  bu  toigh  leis,  tha  e 
cur  as  leth  ludais  nach  ann  air  ghaol  nam  bochd 
a  rinn  e  gearan,  ach  a  chionn  gu'm  bu  ghaduiche 
e.  Faodaidh  gu  robh  an  aon  smuain  an  cridhe 
nan  deisciobul  uile,  ach  gur  h-e  ludas  a  mhain 


a  labhair.  Ach  cha  do  ghabh  Criosd  roimhe,  's 
cha  leigeadh  e  leo  coire  fhaotainn  do  Mhuire. 
Carson  a  tha  sibh  a'  cur  dragha  oirre?  ars'  esan. 
Leigibh  leaiha,  oir  rinn  i  deagh  obair  dhomhsa. 

I.  Ghabh  Criosd  taobh  Muire  a  chionn  gu'n 
do  thuig  e  gur  he  'n  gaol  a  bh'  aic'  air  fhein  a 
thug  oirre  an  rud  a  rinn  i  a  dheanamh.  Nan 
d'  fheoraich  i  dheth  an  toiseach,  co  a  b'  fhearr 
leis — a  cheann  ungadh  leis  an  oladh,  no  an 
oladh  bhi  air  a  reic  airson  nam  bochd;  faodaidh 
sinn  a  bhi  cinnteach  gur  h-e  dh'abradh  e;  coma 
leat  mise,  reic  an  oladh,  's  thoir  biadh  do  na 
daoin'  acrach.  Ach  cha  do  chuir  Muire  a 
comhairle  ris,  's  cha  d'  iarr  i  cead.  Bha  'n  rud 
deanta  m'am  b'  urrainn  e  bruidhinn  no  stad  a 
chur  oirre,  ach  cha  leigeadh  e  le  each  a  diteadh. 
'Na  aite  sin,  is  ann  a  chronaich  e  na  feadhainn 
a  bha  cur  buille  oirre,  tha  na  hochdan  agaibh 
daoTuian,  ach  cha  bhi  mis'  agaibh  daotitiati.  Mar 
gu'n  abradh  e, — Ma  tha  uiread  iomaguin  oirbh 
mu  chor  nam  bochd,  cha  bhi  cion  cothroim 
oirbh  'na  dheigh  so  air  'ur  caoimhneas  a  dhearbh- 
adh  dhaibh ;  ach  air  mo  shon-sa,  cha  'n  fliada 
bhios  mi  maiile  ribh  tuilleadh.  Ged  a  theireadh 
ludas  nach  robh  ann  an  gniomh  Muire  ach  daor 
chion  mothaich,  bu  leir  do  Chriosd  an  gradh  a 
bha  'na  cridhe,  's  air  reir  a  graidh  thug  e  breith 
oirre.  Bha'n  latha  tigh'nn  dluth  anns  am  biodh 
esan  aonaranach  gu  leor,  anns  an  tionndadh 
eadhoin  a  chompanaich  an  cul  ris,  ach  ann  a  bhi 
'g  ullachadh  a  chridh'  airson  la  na  doruinn  sin, 
bha  e  'na  chuideachadh  's  'na  ghairdeachas  dha 
fhaicinn  gu  robh  feadhainn  d'a  chairdean,  mar 
bha  Muire,  aig  an  robh  gaol  air  nach  gabhadh 
innseadh.  Bha  fios  aige  gu  robh  h-aon  d'a 
chompanaich  a  bha  gus  a  bhrath,  's  cha  'n  'eil 
teagamh  nach  robh  'n  t-eolas  sin  'na  chudihrom 
air  a  chridhe,  ach  dhi-chuimhnicheadh  e  ludas, 
CO  dhiu  beagan  iiine,  'nuair  thachair  dil- 
seachd  is  gradh  cho  tnor  air  's  a  nochd  Muire 
dha.  Ged  nach  robh  fios  aice  se  air,  bha  fios 
aig  Criosd  gur  h-e  so  an  cothrom  mu  dheireadh 
a  gheibheadh  i  urram  a  dheanadh  dha,  agus 
thuirt  e  'm  facal — is  a?i)i  fa  chomhair  ni  adhlaic 
a  rinn  i  e,  facal  nach  do  thuig  i  aig  an  am,  ach 
facal  a  thigeadh  gu  'cuimhne  'na  dheigh  so. 
i\gus  faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu  robh  e 
'aa  aobhar  toileachaidh  dhith,  'nuair  a  chual  i 
gu'n  deach  a  cheusadh,  gu'n  do  leig  i  ris  dha  an 
oidhch'  ud  meud  a  graidh.  Nach  iomadh  a 
h-aon  a  bheireadh  na  th'aca  de'n  t-saoghal,  nan 
rachadh  ac'  air  an  fhacal  a  bu  choir  dhaibh  a 
labhairt  'na  am,  a  labhairt  a  nis  ris  a'  charaid, 
no  ris  a'  mhnaoi,  no  ris  a'  phiuihair  a  chaill  iad. 
Bha  gradh  'nan  cridhe  ged  bha  gruaim  air  an 
aodann,  ach  bha  iad  'nan  tosd,  leig  iad  seachad 
an  cothrom,  's  cha  'n  fhaigh  iad  e  gu  brath 
tuilleadh.  Cha  d'  fhan  Muire  gus  an  d'  fheoraich 
Criosd  dhi   mar  dh' fheoraich  e  do  Pheadar — 


a's 
aig 


An  toigh  leat  mi,  ach  gun  guth  a  radh  no  cead 
iarraidh  dhoirt  i  an  oladh  air  a  cheann,  's 
thiormaich  i  a  chasan  le  'fait.  Mar  gu'n 
abradh  i : — 

Ged  a  bu  learn  air  '/had  an  saogh'/, 
Bu  thiodhlac  e  gu  tur  i-o  chrion  ; 
Bu  neo  ni.iruagh  mar  dhiol  d'a  ghaoi, 
Mo  bheatha,  m'  anam,  is  gacli  sion. 

II.  Cha  do  chaill  na  bochdan  air  gniomh 
Muire.  Ged  bha  uiread  curaim  air  ludas  umpa, 
CO  dhiu  le  theangaidh,  tha  mi  'n  duil  gu  robh  fios 
aig  a  h-uile  diol-deirce  am  Betani  gu  faigheadh 
iad  an  tiulleadh  caoimhneis  aig  dorus  Muire  no 
gheibheadh  iad  o  ludas.  Cha  b'  e  sin  cobhair 
nan  geas.  Is  e  leithidean  Muire  a  bha  riamh 
'nan  deagh  chairdean  do  na  bochdan.  Ged  a 
bhios  an  saoghal  a'  cur  sios  air  Criosduidhean, 
's  ag  radh  nach  'eil  ach  gle  bheag  de  spiorad 
am  Maighstir  air  an  giulan,  tha  fios  aig  na 
bochdan  gle  mhaith  gu  faigh  iad  caorahalachd  o 
Criosduidhean  nach  faigh  iad  o'n  t-saoghal.  Ma 
dh'  fhaighnichear  —  co  iad  na  cairdean 
fhearr  aig  banntraichean  is  dilleachdain, 
iruaghain  is  eireablaich  na  duthcha,  is  e  am 
freagradh  na  Criosduidhean.  Tha  gradh  Chriosd 
'g  an  co-eigneachadh,  's  tha  iad  a'  dol  a  mach  do 
shraidean  's  do  chiil-shraidean  nam  bailtean 
mora,  air  turusan  trocair.  Tha  e  iomchuidh 
gu'n  deanadh  iad  sin.  Tha  e  ni's  beannaichte 
ni  a  thabhairt  no  ghabhail.  B'e  sin  spiorad 
Chriosd.     Cha  do   ghleidh  esan   a  shaoibhreas 

:  thug  e  seachad  na  bh'  aige,  's  mu 
thug  e  seachad  anam  an  eiric  a 
Tha  e  'na  dheagh  chomharadh  suim 
duine  do  na  bochdan.  Mur  'eil, 
cha 'n 'eil  ann  ach  creid.Tiheach  crubach  :  tha  e 
eu-cohach  r'a  Mhaighstir.  Is  e  losa  da  rireadh 
caraid  nam  bochd  agus  bu  choir  d'a  dheisciobuil 
a  bhi  fialaidh  ri  truaghain.  'Nuair  a  bliios  cridhe 
duine  air  a  lionadh  le  gradh  Chriosd,  cha  chiim 
e  sporran  dfiinte.  Mur  'eil  truas  'nar  cridhe, 
cha  'n  'eil  pairt  againn  annsan  a  thuirt — Is 
beannaichte  iadsan  a  tha  trocaireach. 

III.  Is  airidh  Criosd  air  a'  ghradh  's  air  an 
urram  a's  motha.  Rinn  Muire  na  b'  uirainn 
dhi,  ach  cha  do  rinn  i  tuilleadh  's  a  choir.  Tha 
sinne  'ga  ghradhachadh-san,  a  chionn  gu'n  do 
ghradhaich  esan  sinne  ' n  toiseach.  Tha  sinn  na 
'eiseimeil  cho  mor,  's  ged  a  dhoirteamaid  ar 
saoibhreas  uil'  aig  a  chasan,  cha  phaigheadh  sin 
ar  fiachan.  Tha  Dia  a'  moladh  a  ghraidh 
dhuinne,  do  bhrigh  'nuair  bha  sinn  fhathast  'nar 
peacaich  gu'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar  son.  Am 
b'  urrainn  gradh  dol  ni  b'  fhaide  2  An  urrainn 
iobairt  bhuidheachais  air  bith  a  bhi  ro-luach- 
mhor?  Bha  teang'  a'  bhaird  aig  Daibhidh,  ach 
tha  Daibhidh  ag  radh  gu  bheil  cainnt  a'  teirgsinn 
air,  gach  uair  a  bheachd-smuainicheas  e  air 
gradh  is  trocair  Dhe.       Mac  Dhe  a  ghradhaich 


dha  fhein 
dheireadh, 
shluaigh. 
a   bhi   aig 


13 


I 

I 

i 


mi's  a  thug  e  fein  air  mo  shon.  Nan  ruigeadh 
duin'  air  brigh  nam  briathran  so  'nan  lanachd, 
thuiteadh  e  air  an  lar,  oir  cha  seasadli  a  chridhe 
ris  a'  ghloir  a  chitheadh  e.  Aig  la  am  bais  cha 
bhi  a  dh'  aithreachas  orrasan  a  thug  moran  do 
losa,  's  a  dh'  fhuiling  moran  air  sgath  ainme, 
ach  nach  d'  thug  iad  an  tuilleadh,  's  nach 
d'  fhuiling  iad  an  corr.  Le  aon  ghuth  's  le  aon 
chridhe  tha  coisir  chiuil  nan  naomh  a'  seinn — Is 
airidh  thusa,  a  Thighearna,  air  gloir  agus  urram 
agus  cumhachd,  gu  saoghal  nan  saoghal. 

Pailteas  is  meud  saor  mhaitheas  Z)he, 

Cha  'n  aithris  beul  no  peann  ; 

Gradh  los',  ar  Sla?iitighear,  ciod  e, 

Cha '«  aithne  ach  d'a  ch/oitm. 


NA  SEANN  LAITHEAN. 


Cha  'n  'eil  bliadhna  del  seachad  gun  leabhar  a 
bhi  air  a  sgriobhadh  mu  chor  na  duthcha  's  na 
h-eaglais  anns  na  laithean  a  dh'  f  halbh.  Tha 
moran  dhaoin'an  duil  gu  robh  na  seann  laithean 
na  b'  fhearr  no  'n  latha  diugh.  Ach  nan  leugh- 
adh  iad  leabhraichean  Seisein  is  Cleire,  tha  sinn 
an  amharus  gu'n  atharraicheadh  iad  beachd. 
Mur  h-eil  rud  eile  ri  ionnsachadh  o  na  sgriobh- 
eachan  sin,  tha  iad,  co  dhiu,  a  leigeil  fhaicinn 
dhuinn  an  t-atharrachadh  mor  a  thainig  air  cor 
na  h-eaglais  's  air  cleachdannan  an  t-sluaigh. 
'Nuair  a  chruinnicheas  Seiseinean  is  Cleirean  an 
diugh,  cha  chluinnear  iomradh  air  na  ceistean 
(iomadh  uair  gle  fhaoin)  a  bha  cur  dragh  air  na 
seanairean  anns  na  laithean  a  dh'fhalbh,  oir 
chaidh  na  seann  nithean  seacliad  is  rinneadh  na 
h-uile  nithe  nuadh. 

Cha 'n  '  eil  cearn  de'n  duthaich  anns  a  bheil 
Sacramaid  Suipeir  an  Tighearna  air  a  frithealadh 
le  barrachd  urraim  is  soluimteachd  no  anns  a' 
Ghaidhealtachd.  Ach  bha  la  eile  ann.  Cha  'n 
e  mhaki  gu'm  biodh  an  oigridh  a'  dol  o  sgireachd 
gu  sgireachd  aig  am  comanachaidh,  cha  'n  ann 
air  ghaol  fireantachd  no  le  cridhe  briste,  bruite, 
ach  air  ghaol  leannanachd  is  oil  is  faoineis  ; 
ach  bu  bhitheanta  le  ministearan  is  foirbhich 
fhein  dearmad  a  dheanamh  air  an  ordugh 
naomh.  Ann  an  1650  cheasnaich  Cleir  lonar- 
pheotharain  ministear  Loch-braon  mu  chor  na 
sgireachd,  agus  b'  eigin  dha  aideachadh  nach 
robh  comanachadh  aige  o  chionn  sheachd 
bliadhna  An  Gleann  Urchadain  cha  do 
ghleldheadh  comanachadh  o  shuidheachadh 
Maighstir  Uonnachadh  Mac  CuUoch  an  1647 
gus  an  d'  fhag  e  'n  sgireachd  ann  an  1671  — 
ceithir  bliadhna  fichead.  Bha  iomadh  ait'  eile  a 
cheart  cho  dona.  B'e  cuid  de  na  lethsgeulan — 
nach  robh  soithichean  freagarrach  aca  airson 
fiona,  gu  robh  na  h-amannan  buaireasach,  nach 
robh    an    treud    cho   coimhlionta   an    eolas  na 


firinn  no  cho  stolda  'nan  giulan  's  gu  'm  biodh 
buannachd  dhaibh  anns  an  t-sacramaid,  no  gu 
robh  uiread  a  nithean  eile  aig  a'  mhinisteir  's  aig 
na  foirbhich  ri  dheanamh  's  nach  robh  cothrom 
ceart  aca  air  comanachadh  a  ghleldheadh. 

Cha  'n  'eil  ioghnadh  ged  nach  robh.  Ma  bha 
iad  car  dearmadach  air  orduighean  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  a  choimhead,  cha  'n  urrainnear  a  chur 
as  an  leth  gu  robh  iad  dearmadach  air  eucoraich 
a  thoirt  air  am  beulaobh.  Faodaidh  gu'n  do 
rinn  so  maith,  ach  rinn  e  cron  cuideac'nd.  Cha 
b'  ann  gun  aobhar  a  bha  eagal  Seisein  is  Cleire 
air  fir  is  mnathan  is  clann  anns  na  laithean  ud, 
oir  bhatar  a'  sealltuinn  as  an  deigh  cho  geur  's 
cho  teann  's  a  bha  na  saighdearan  dearga 
'sealltuinn  as  deigh  nan  reubalach  an  am  Chuil- 
fhodair.  Nan  cluinnte  sgonn-bhalach  a'  tilgeadh 
ainisg,  no 'g  radh  "buidseach"  ri  baobh  chrosda, 
bha  e  fhein  's  a'  chailleach  air  an  tarruing  air 
beulaobh  an  t-seisein.  Nam  beirte  air  ceann 
teaghlaich  a'  tighinn  a  raach  a  tigh  leanna  is 
sogan drama  air,  dh'fhaodadh  e  e  fhein  a  chunntas 
fortanach  mur  biodh  aige  ri  cuirt  seisein  a 
sheasamh.  Dh'  fheumadh  duine  bhi  anabarrach 
curamach  air  latha  na  Sabaid,  air  neo  bhiodh 
am  foirbheach  air  a  shall.  Cha  'n  fhaodadh  e 
fantuinn  as  an  Eagiais  gun  lethsgeul  maith,  's 
bha  e  air  a  radh  gu'm  biodh  feadhainn  a'  leigeil 
orra  bhi  tinn  feuch  am  faigheadh  iad  cadal  fada 
air  latha  na  Sabaid.  Ann  an  1699  bha  bean  a 
mhuinntir  Lathurna  air  mhuinntireas  am  Bodhta 
far  an  do  thogadh  tuaileas  oirre  gu'm  biodh  i  a 
bleith  snaoisean  air  an  t-Sabaid.  Thugadh  air 
beulaobh  an  t-seisein  i,  ach  bhbidich  i  gu'm  bu 
bhreug  an  rud  a  bhatar  a'  cur  oirre.  Cha 
ghabhadh  fianuis  fhaotainn  'na  h-aghaidh  's 
leigeadh  as  i ;  ach  do  brigh  's  gu'm  bu  choigreach 
i,  dh'  iarr  an  seisein  oirre  teisteanas  fhaotainn  a 
Lathurna  air  neo  gu  feumadh  i  Bodht'  fhagail. 
Saoilidh  sinn  gu'm  bu  lagh  cruaidh  e,  ach  tha 
e  coliach  gu  faca  Seiseinean  an  la  ud  iomchuidh, 
gun  gabhail  ri  coigreach  sam  bith  a  thigeadh 
do  'n  sgireachd  mur  biodh  teisteana.i  aig'  o'n 
sgireachd  as  an  d'  thainig  e.  Bha  e  'na 
chleachdadh  aig  a  h-uile  b.iile  is  sgireachd  na 
seotachan  's  na  h-eucoraich  a  thilgeadh  a  mach, 
's  leis  an  lagh  ud,  bha  'n  dara  sgireachd  a' 
feuchainn  ri  i  fhein  a  dhion  o  mheirlich  's  o 
eucoraich  sgireachd  eile.  Ann  an  1749  rinn 
seisein  Chinn-a-Ghidbhsaich  gearan  cruaidh  gu 
robh  coigrich  anns  a'  bhaile  a  fhuair  gabhail 
riutha  gun  teisteanas ;  agus  air  do  na  foirbhich 
an  cinn  a  chur  ri  cheile,  dh'  iarr  iad  air  an 
t  siorram  sealltuinn  as  deigh  nan  daoine  sin, 
agus  thug  iad  rabhadh  do  mhuinntir  a'  bhaile 
gu'n  rachadh  cain  a  chur  air  ceann  teaghlaich 
air  bith  a  bheireadh  do  dh'  fhear  siubhail 
tuilleadh  is  cuid  oidhche.  Cha  'n  'eil  teagamh 
nach  bu  deagh  lagh  e  ann  an  aon  dolgb,  ged 
nach  'eil  e  furasd  fhaicinn  ciamar  a  b'  urrainn 


cuid  de  na  daoine  truagha  so  teisteanas  f  haotainn 
gu  bratli.  Cha  robh  orra  ach  "  bual  thall  e  's 
coinnich  a  bhos  e,"  's  gu  deireadh  an  latha  cha 
bhiodh  iad  ach  eadar  a'  bhaobh  's  a'  bhuarach. 

Ach  ma  bha  na  laghanan  cruaidh,  cha  robh  'n 
t-Sabaid  air  a  gleidheadh,  's  cha  do  lughdaich 
eagal  na  Cleire  peacadh.  Bha  da  ni  gu 
sonruichte  air  an  robh  'n  Eaglais  anabarrach 
trom,  agus  b'e  sin  bainnsean-cuideachaidh  agus 
caithris  nam  marbh  ;  ach  a  dh'  aindeoin  mhinis- 
tearan  is  fhoirbheach  chaidh  an  t-61,  's  an  ceol, 
's  an  dannsadh  air  an  aghaidh  aig  na  comhailean 
sin  mar  bha  iad  riamh.  Co  dhiu  a  bha  Chleir 
ceart  no  cearr  ann  a  bhi  toirmeasg  ceol  is 
aighear  is  gleadhraich  nam  bainnsean,  bha  e  Ian 
fhreagarrach  nach  biodh  faoineis  de  'n  t-seorsa 
sin  air  a  cheadacliadh  ann  an  tigh  a'  mhairbh. 
Tha  e  duilich  a  thuigsinn  ciamar  a  leigeadh  tur 
nadurra  is  faireachduinnean  caomhal  an  cridhe 
le  daoine,  baoth  shugradh  a  dheanamh  ann  an 
tigh  a'  bhroin.  Ach  is  ann  mar  sin  a  thachair. 
Fad  na  seachduinn  a  bha  'n  corp  air  a  ghleidh- 
eadh  a  stigh,  cha  robh  stad  a'  dol  air  itheadh  is 
ol,  's  air  a'  mheadhon  oidhche  ann  an  seomar  a' 
bhais  chluinnte  ceol  na  fidhle  is  lachanaich  na 
h-oigridh.  An  165 1  chosg  faire  Dhomhuill 
Chaimbeil,  Airdnamurchan,  naoi  fichead  's  a 
naoi  punnd  Albannach.  Am  measg  na  coisgeis 
bha  :— 

Da  ghallan  dheug  is  da  fhichead  kanna, 

Citig  ghallain  gu  leth  uisge  bheatha, 

Ochd  vmillt  is  mart, 

Da  chloich  chaise, 

Da  plieic  shalainn  is  punnd  gii  leth  fomhaca. 

Bu  bhitheanta  le  daoine  bainnsean  is  adhlaicean 
a  dheanamh  air  an  t-Sabaid,  's  bha  cuid  de  na 
ministearan  nach  biodh  idir  diumbach  na 
dleasdanasan  sin  a  dheanamh  an  deigh  an  t- 
searmoin,  ach  chuir  na  Cleirean  casg  air  an 
drochd  chleachdadh,  's  thug  iad  rabhadh  do  na 
braithrean  nan  tugadh  iad  gnuis  do  bhainnsean 
air  an  t-Sabaid  gu'n  sealladh  a'  Chleir  as  an  deigh. 
Bha  aoibhneas  nam  foirbheach  Ian  an  uair  a 
rachadh  aca  air  buidseach  a  chur  ann  an  ciiil 
chumhainn.  Bha  'n  t-am  dorcha,  's  bha  eadhoin 
daoine  foghluimte  creidsinn  ann  an  giosragan 
is  orrachan  is  ubagan  is  droch  shiiil.  Ma  bha 
cai!leach,grannda,  luasganach'nasuil  no  sgaiteach 
le  teangaidh,  bu  leor  sin  gu  ainm  baoibh  a  chur 
dhi.  Mur  deanadh  am  bainne  im,  mur  beireadh 
na  cearcan  uidhean,  ma  thigeadh  greim  air  each 
no  duine  leigteadh  amharus  air  caillich  bhochd 
air  chor-eigin,  's  rachadh  a  tarruing  air  beulaobh 
an  t-seisein  mar  dhroch  sgealb  a  bh'ann  an  co- 
bheinn  ri  Satan.  Dh'  fheumadh  am  ministear  's 
na  foirbhich  air  uairean  latha 'n  deigh  latha  chur 
seachad  a'  ceasnachadh  na  caillich,  's  a'  ceasnach- 
adh  choimhearsnach,  feuch  an  tugadh  iad  air  a' 
chreulair  thrua^h  a  cionnt  aideachadh.  Cha'n'eil 


ioghnadh  ged  a  thoisich  cuid  a  chailleachan  air 
creidsinn  gu  robh  cumhachdan  neo-Chriosdail  aca 
nach  robh  aig  daoin'  eile,  'nuair  a  bha  Chleir  fhein 
a'  gabhail  a'  ghnothuich  an  da-rireadh.  B'  ann  an 
1727  a  chaidh  an  te  mu  dheireadh  a  chur  gu 
bas  an  Albainn  airson  buidseachais.  Thug 
Siorram  Chataoibh  a  mach  a  binn,  's  loisgeadh 
i  ann  am  baraile  tearradh  an  Dornoch. 

Cha  robh  gearan  a  dheante  ris  an  t-seisein 
nach  rannsaicheadh  iad.  Ma  rinn  duine  droch 
mhionn,  no  ma  labhair  e  facal  taireil  mu  phears' 
eaglais,  ma  ghabh  e  daorach  no  ma  bha  amharus 
meirle  air,  dh'  fheumadh  e  cuirt  a  sheasamh,  's 
an  dara  cuid  cain  a  phaiglieadh  no  dol  's  a 
bhrangus.  Ach  ged  a  bheireadh  an  seisein 
daoin'  air  am  beulaobh  air  son  gach  seorsa  uile, 
tha  e  furasd  fhaicinn  o  na  seann  leabhraichean 
gur  h-e  an  t-seachdamh  aithne  an  te  a  bu  bhith- 
eanta bh'  air  a  bristeadh.  Bha  'm  peanas  am 
bitheantas  air  reir  inbh'  an  duin'a  thuslaich.  Ma 
bha  e  'na  fhear  fearainn  no  'na  thuathanach 
cothromach,  theagamh  nach  deant'  ach  cain  a 
chur  air, 's  nach  maoidht'  am  brangus  idir  air; 
ach  mur  robh  ann  ach  treabhaiche  no  taillear 
no  griasaiche  aig  nach  robh  bheag  de'n  t-saoghal, 
dh'  fheumadh  e  seasamh  an  lathair  a'  choimh- 
thi'onal  uair  no  dha  mar  chitheadh  na  seanairean 
ionicliuidh.  Ma  bha  fior  dhroch  elm  aige,  ma 
dh'  fhaoite  gu  feumadh  e  seasamh  a  h-uile 
Sabaid  fad  raidhe.  Bha  e  air  a  ladh  gu  faodadh 
duine  suidhe  an  aite  seasamh,  am  feadh  's  a 
bhiodh  am  ministear  a'  toirt  dha  ruith  de  'n 
teangaidh,  nan  tugadh  e  coig  bolla  mine  do  na 
bochdan.  Cha  robh  bord  nam  bochd  ann  aig 
an  am,  ■'s  cha  robh  beothlainn  eil'  aig  na 
bochdan,  ach  caoimhneas  an  coirahearsnach  is 
deirce  na  h-eaglais.  Bha  'n  seisein  a'  cur  na 
cain  a  gheibheadh  iad  o  na  ciontaich  am  bocsa 
nam  bochd.  Mar  bu  lionmhoire  na  peacaich  is 
ann  bu  reamhra  na  bochdan,  's  tha  e  air 
innseadh  gu'n  cualas  bodach  cam  a'  tilgeadh  an 
fhacail  thar  a  ghuailne,  'nuair  bha  e  fagail 
sgireachd  shonruichte — Marbkaisg  air  71a  h- 
ionracain,.cha  'n  'eil  a  bhi  beo  aig  truaghain  'nam 
measg. 


LAOIDH. 

'  Griis  an  Tighearn  losa  Crlosd,  agus  gradh  Dhe,  agus 
comh-chonninnan  Spioraid  Naoimh  gun  robh  maille  riiibh 
uile.' 

Tearnadh  oirnn  a  nis  a  Flaitheas, 

Gras  ar  Triath  's  ar  Slan'gheir  chaoimh  ; 

Gradh  an  Athar  mh6ir  's  a  mhaitheas  ; 
'S  deagh-ghean  grinn  an  Spioraid  Naoimh. 

Chum  gun  teid  ri  cheil'  ar  n-aonadh, 
'S  ri  ar  Triath,  le  ceangal  graidh. 

Is  gum  mealar  leinn,  gun  chaomhnadh, 
Sith  is  aobhachd  Tir-an-aigh.     Amen. 


I 


Air    3. 


1909. 


SIMEON. 

Bha  duine  ann  an  lerusalem  d'ani  b'ainm  Simeon  ; 
agus  bha'n  duine  so  ionraic  agus  diadhaidh  agus 
bha  duil  aige  ri  s61as  Israeli. — LucAS  ii,  25. 


'NuAiR  a  bha  'n  leanabh  losa  sia  seachduinean 
a  clh'  aois,  thugadh  e  do'n  teampull  chum  a 
thaisbeanadh  do'n  Tighearn  a  reir  an  lagha.  Air 
a'  cheart  latha  thainig  duine  d'  am  b'  ainm 
Simeon  do'n  teampull,  le  treorachadh  an  spior- 
aid  ;  agus  air  dha  an  leanabh  naomh  fhaicinn, 
ghlac  e  'na  uchd  e  agus  bheannaich  e  Dia  agus 
thubhairt  e  : — 
A  nis,  a  Thighearn,  tha  tlm  leigeadh  le  d'  sheir- 

bhiseach  siubhal  an  sith,  a  reir  f  fhacail ; 
Oir  chiinnaic  mo  shiiilean  do  shlainte, 
A  dh'  tillaich  thu  roimh  ghniiis  7ian  idle  shluagh  ; 
Solus  a  shoillseachadh  nan  Ctnneach, 
Agus  gloir  do  phobuill  Israeli. 

Co  e  Simeon  so,  cha'n  urrainnear  a  radh. 
Cha  'n  'eil  na  soisgeulaichean  ag  innseadh.  Mur 
b'  e  gu'n  do  sheas  e  dliith  do  Chriosd  an  la  ud 
bhiodh  'ainm  is  'obair  air  an  dichuimhneachadh 
gu  tur,  ach  a  chionn  gu'n  do  sheas  e  aon  mhion- 
aid  ann  an  solus  na  Greine,  bidh  cuimhn'  air 
ainm  gu  brath.  Ged  tha  Simeon  marbh,  tha  e 
fhathast  a'  labhairt,  's  tha  'n  laoidh  mholaidh  a 
rinn  e  'na  h-aran  beatha  do  chuideachd  do- 
aireamh  a  naoimh. 

Aig  teachd  Chriosd  do'n  t-saoghal  bha  diadh- 
aidheachd  gu  maith  iosal  ;  dh'  fhalbh  na 
faidhean  a  bha  cumail  creidimh  is  fireantachd 
beo,  's  nuair  a  dh'  fhalbh  iadsan  chomhdaich 
tiugh  dhorchadas  am  pobuU.  Ann  an  nithean 
aimsireil  cha  robh  ceann-iuil  aig  an  t-sluagh  a 
b'  fhearr  no  Herod,  's  ann  an  nithean  spioradail 
cha  robh  aodhairean  ac'  a  b'fhearr  no  na  sgriobh- 
aichean  's  na  Pharasaich.  Ged  a  bha  'n  sluagh 
a'  dol  suas  mar  a  b'  abhaist  do'n  teampull  air 
laithean  feille,  's  a'  dol  do  na  sionagogan  a  dh' 
eisdeachd  an  lagha,  bha  iad  a'  deanamh  sin  mar 
chleachdadh,  's  cha  robh  'n  cridheachan  an  geall 
air  Dia  no  fireantachd.  Bha  iad  a'  gabhail 
suaimhneis  ann  an  Sion,  bha  iad  toilichte  le 
coltas  na  diadhaidheach  gun  a  tairbhe,  's  air 
son  dochas  ris  a'  Mhessiah  a  bh'  air  a  gheall- 
tuinn  le  Dia,  chaill  a'  mhor-chuideachd  do'n 
t-sluagh  an  dochas  uile  gu  leir.  Ach  bha  Ibchran 
a'  chreidimh  air  a  chumail  beo  an  sid  's  an  so, 
's  am  measg    na   marbhantachd    a   thainig   air 


beatha  spioradail  na  duthcha  bha  beagan  dhaoine 
nach  do  chaill  an  dochas  ri  Messiah,  's  a  bha 
la  's  a  dh'  oidhche  deanamh  seirbhis  do  Dhia  le 
trasgadh'sle  h-urnuigh.  B'ann  dhiu  sin  Simeon, 
duine  naomh  d'an  robh  e  air  fhoillseachadh  leis 
an  Spiorad  nach  faigheadh  e  bas  gus  am  faiceadh 
e  Criosd  an  Tighearn.  Chreid  e  an  gealladh,  's 
'na  sheann  aois  fhuair  e  durachd  a  chridhe,  's 
b'  urrainn  e  radh  mar  thuirt  an  t-Abstol  Eoin 
gu'n  do  laimhsich  a  lamhan  Facal  na  beatha. 

Na  lamhan  so,  a  ghlac  mo  Righ 
Na  glacadh  ni  'na  dheigh 
'S  na  suilean  so  a  chunnaic  Criosd 
Na  faiceadh  ni  fo  'n  ghrein. 

I.  Ciamar  a  dh'  aithnich  Simeon  gu'm  b'6 
an  leanabh  am  Messiah?  Chaidh  iomadh 
bliadhna  seachad  m'an  d'aithnich  daoin'  eil'  e, 
ach  cha  luaithe  chunnaic  an  duine  naomh  so 
losa  an  uchd  a  mhathar  no  chreid  e  gu  robh 
solas  Israeli  air  teachd.  Their  cuid  gu  robh 
cearcall  soluis  mu'n  cuiart  air  ceann  an  leinibh 
mar  a  chitear  mu  cheann  nan  naomh  ann  an 
dealbhan,  's  their  cuid  eile  gu'n  d'innis  Muire 
dha  roimh  laimh  an  diomhaireachd  a  labhair 
aingeal  an  Tighearn  rithe.  Cha  'n  fhios  duinn, 
oir  cha  'n  'eil  an  Sgriobtur  ag  radh  dad  mu'n 
chuis.  Tha  Lucas  ag  innseadh  dhuinn  gu  robh 
Simeon  fo  threorachadh  an  Spioraid  anns  an 
teampull,  's  nach  faod  sinn  a  radh,  ged  nach  d' 
thainig  an  Spioraid  Naomh  'na  lanachd  aig  an 
am  ud,  gu'n  d'  thug  Dia  earlais  dheth  roimh 
laimh  do'n  duine  naomh  so  leis  an  d'  fhuair  e 
aon  sealladh  air  gloir  Chriosd.  Is  e  obair  an 
spioraid  gabhail  de  nithean  Chriosd  agus  an 
nochdadh  dhuinne,  agus  faodaidh  e  bhi  gu'n  do 
ghabh  an  Spiorad  de  nithean  Chriosd  an  la  ud, 
's  gu'n  do  nochd  e  iad  do  Shimeon  mam  faca 
suil  eil'  iad.  Co  dhiu,  dh'  eirich  e  gu  airde 
creidimh  is  dearbhachd  nach  do  rainig  eadhoin 
loseph  no  Muire,  oir  tha  sinn  a'  leughadh  gu'n 
do  chuir  na  nithean  a  labhair  e  mu'n  leanabh 
ioghnadh  orra.  Anns  na  nithean  a  bhuineas 
do'n  t-saoghal  spioradail,  tha  suil  gheir  aig  na 
naoimh  agus  is  leir  dhaibh  nithean  nach  faic 
daoin'  eile.  Cha  'n  fhac'  a'  mhor-chuideachd 
aig  abhainn  lordain  rud  sonruichte  air  bith  an 
losa,  ach  chunnaic  suilean  a'  Bhaistich  a'  ghloir 
a  bh'  air  a  folach  uapa  san  agus  ghlaodh  e  ri 
Eoin  's  ri  each — Feuch  Van  De. 

II.  Cha  do  chaill   Simeon  a  dhochas  ris  a' 


Mhessiah  oir  chreid  e  gealladh  Dhe.  Bha  iomadh 
aon  d'a  cho-aoisean  a'  feitheamh  ri  teachd  an  t- 
Slanuigheir  cho  durachdach  ris-san,  ach  'nuair 
bha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  's  an  dor- 
chadas  a'  fas  ni  bu  tiugha  gun  fuaim  a  theachd 
a  chluinntinn,  chaill  iad  an  dochas  's  thuit  iad 
an  diobhail  misnich.  Cha  b'e  sin  do  Shimeon  ; 
ged  a  thanaich  an  aois  a  chiabhan,  cha  do  luidh 
aois  air  a  spiorad,  's  cha  do  chaill  e  'dhuil  ri 
solas  Israeli.  An  uair  a  chailleas  duin'  a  dhochas 
's  a  mhisneach,  is  seann  duin'  e  ged  nach  biodh 
roinneag  liath  'na  cheann.  Tha  neart  tia 
h-oigridh  a  co-sheasamh  ann  am  meud  an 
dochais.  Biodh  cuisean  cho  searbh  'sa  dh' 
fhaodas  iad,  thig  iad  beo  an  dochas  ro-mhaith 
gu'm  bi  iad  ni's  fhearr  am  maireach.  An  uair  a 
thoisicheas  duin'  air  a  dhochas  a  chall,  's  air  a 
bhi  cuimhneachadh  na  laithean  a  dh'  fhalbh  tha 
'n  aois  a'  luidh  air,  's  tha  'obair  uUamh.  Ach  an 
drasd  's  a  rithist  tachraidh  oirnn  daoin'  a  tha 
cho  ogail  'nan  spiorad  aig  ceithir  fichead  bhadh- 
na,  's  a  bha  iad  aig  bliadhn'  ar  fhichead.  Cha'n 
'eil  ioghnadh  ged  a  biodh  clann  an  t-saoghail 
'nan  seann  daoine  roimh  'n  am,  oir  tha  iad  mar 
phreas  seargta  'san  ionad  sgaoilte  's  ag  aiteach- 
adh  ionada  loisgte  an  fhasaich.  Ach  cha  bu 
chor  gu'n  luidheadh  an  aois  gu  trom  air  clann 
na  rioghachd,  oir  tha  iad  mar  chraoibh  air  a 
suidheachadh  ri  taobh  nan  uisgeachan,  a  sgaoil- 
eas  a  mach  a  freumhan  ri  taobh  an  t-srutha  's 
nach  mothaich  c'uin  a  thig  an  tart ;  ach  aig  am 
bi  a  duilleach  uaine  's  ni  mo  a  sguireas  i  thoirt 
seachad  toraidh.  Am  measg  grasan  na  beatha 
spioradail  tha  'n  t-Abstol  Pol  ag  ainmeachadh 
dochais  cho  mhaith  ri  gradh  is  creidimh.  Tha 
creidimh  is  dochas  mar  dha  phiuthair  nach 
dealaich  ri  cheile  :  far  am  bi  'n  dara  h-aon,  bidh 
an  t-aon  eile.  Chreid  Simeon  facal  Dhe,  's  cha 
do  chaill  e  a  dhochas,  ged  a  bha  each  a'  toirt 
suas  dull  ris  a'  Mhessiah  gu  buileach.  Bha 
gealladh  Dhe  dha  'n  urras  anns  nach  b'  urrainn 
e  teagamh  a  chur.  Leis  a'  ghealladh  sin  mar 
lorg  's  mar  thaic,  ghluaiseadh  e  eadhoinn  anns 
an  dorchadas  gun  fhiamh,  gun  eagal.  Cha  do 
chaill  e  fhoighidinn.  Bha  fhios  aige  gu  bheil 
mile  bliadhn'  ann  an  sealladh  Dhe  mar  aon 
latha.  Moch  is  anmoch  ghairmeadh  e  air  'anam 
— Cuir  dochas  daingean  ann  an  Dia. 

III.  Fhuair  Simeon  tuilleadh  's  a  bha  fiuthair 
aige  ris.  Tha  e  air  innseadh  am  beul  aithris  nan 
ludhach  gu  robh  Simeon  aon  latha  a'  leughadh 
leabhar  Isaiah,  's  gu'n  d'  amais  an  rann  air, 
Feuch,  bidh  high  torrach  agus  beiridh  i  mac  agus 
bheir  i  Imnianiiel  mar  ainm  air. — Is.  vii,  14.. 
Air  dha  an  leabhar  a  dhunadh  's  inntinn  a  thoirt 
thairis  gu  beachd-smuaineachadh  air  an  fhacal, 
thainig  aingeal  'ga  ionnsuidh  a  dh'  innis  dha  gu 
faiceadh  a  shuilean  Mac  na  h-oigh  ma'm  fagadh 
€  'n  saoghal. 


An  gealladh  s61asach  so,  dh'  fheith. 

An  naomh,  o  la  gu  la. 

Is  cha  do  mhealladh  e  'na  dhiiil, 

Choimhlionadh  chilis  'na  trath. 
Cha  'n  e  mhain  gu  fac'  a  shuil,  ach  laimhsich 
a  lamhan  an  leanabh  naomh  ;  fhuair  e  urram 
nach  d'  fhuair  eadhoin  an  t-Abstol  Eoin,  oir 
ghlac  e  'na  ghairdeanan  Righ  na  Gloire.  Lion 
Dia  a  chupan  gus  an  do  chuir  e  thairis. 
Choimhlion  e  an  gealladh  gu  saoibhir.  Tha  Dia 
a  deanamh  sin  daonnan,  oir  tha  lamh  fialaidh  's 
a  chridhe  farsuing.  Cha'n  e  mhain  gu'n  toir  e 
gras  ach  bheir  e  gras  am  pailteas.  Ann  a  bhi 
toirt  maitheanais,  bheir  e  maitheanas  gu  pailt  ; 
ann  a  bhi  coimhlionadh  a  gheallaidh  bheir  e 
tuilleadh  's  a  gheall  e.  Is  e  iadsan  aig  nach  'eil 
aithn'  air  caoimhneas  Dhe  a  their  gur  Maighstir 
cruaidh  e.  Bidh  Satan  a'  feuchainn  ri  daoin'  a 
mhealladh  le  geallaidhean  boidheach,  ach  aig 
deireadh  an  latha  gheibh  iad  a  mach  nach  'eil 
aig'  ach  gealltanas  maith  is  droch  phaigheadh. 
Geallaidh  e  mil  's  bheir  e  dhaibh  domblas.  Ach 
cha  'n  ann  mar  sin  a  bhios  iadsan  a  chreideas 
Dia,  oir  cha  'n  fhaca  suil,  agus  cha  chualacluas, 
agus  cha  d'  thainig  ann  an  cridhe  duine,  na 
nithe  a  dh'  ulluich  Dia  dhaibhsan  aig  am  bheil 
gradh  dha. 

IV.  Shiubhal  Simeon  an  sith.  Cha  robh 
eagal  air  an  saoghal  fhagail  's  cha  mho  bha 
duilichinn  air,  oir  chunnaic  a  shuilean  slainte 
Dhe  's  rinn  a  chridhe  gairdeachas.  Faodaidh 
na  naoimh  failt  a  chur  air  a'  bhas  oir  tha  e 
dhaibh  'na  charaid.  Is  buannachd  dhaibh  falbh 
gu  bhi  maille  ri  Criosd.  Tha  iad  a'  dol  an 
coinneamh  fear  an  graidh.  Tha  fios  aca  co  ann 
a  chreid  iad  's  tha  dearbhachd  aca  gu'n  coimhead 
e  na  dh'  earb  iad  ris.  Tha  saoibhreas  nan 
creidmheach  air  neamh  's  far  am  bi  saoibhreas 
duine,  bidh  a  chridhe.  Thig  am  bas  gu  sean  is 
5g.  Tha  iomadh  rud  nach  aithne  dhuinn,  ach 
tha  sinn  cinnteach  as  a  sin.  Ged  nach  'eil  e  ma 
dh'  fhaoite  ceart  a  bhi  smuaineachadh  tuilleadh 
'sa  choir  air  a'  bhas,  cha  mh6  tha  e  ceart  a 
dhichuimhneachadh.  Air  cho  faoin,  's  cho 
michuramach  mu  nithean  an  anma  's  gu'm  bi 
daoine,  bu  mhaith  leo  uile  basachadh  an  sith. 
Iadsan  a  dh'  iarras  an  Tighearna,  a  ghradh- 
aicheas  a  lagh,  's  a  ghabhas  ris  an  t-slainte  a  tha 
e  tairgsinn  ann  an  Criosd,  bith  neart  is  sith  aca 
'nam  beatha  agus  sith  is  solus  aig  uair  am  bais. 
Amhairc  air  an  duin'  ionraic, 
Oir  is  sith  is  crioch  do'n  duine  sin. 


CUAIRT  A'  MHINISTEIR  GHALLDA. 

[Bha  so  air  a  sgriobhadh  leis  an  Ollamh  Tormoid 
Mac  Leoid  nach  maireann,  ris  an  abairte  Caraid 
nan  Gaidheal.] 


Smaointich  mi  'n  diugh  gu  'n  gabhainn  ceum 
a  nunn  thun  na  ceardach,  a  dh'fhaicinn  duine 


■f 

n 


■■j 

i 

.■.ft 


-dj 


E 


1 


bochd  euslainteach  a  bha  's  a'  choimhearsnachd 
sin.  Cha  b'  fhada  chaidh  mi  air  m'  aghaidh 
'nuair  a  choinnich  duine  mi  air  an  robh  mi  mion- 
eolach,  a  bha  fo  dheadh  theist  's  an  sgireachd  ; 
thill  e  ceum  leam  a  reir  cleachdadh  na  duthcha. 
Bha  mi  siubhal  tre  ghleann  boidheach,  tiorail, 
far  an  robh  frith-choille  challtuinn  agus  bheithe, 
alltan  beag  a'  ruith  'na  lubaibh  troimhe,  ro 
chosmhuil  gu  leir  ri  tir  m'  oige. 

Nach  aillidh,  ars'  esan,  a  mhinisteir,  an  la  so 
f hein  a  thoirt  a  mach  feoir  agus  fochainn ;  nach 
boidheach  an  gleann  so. 

Tha  e  da  rireadh  mar  sin,  fhreagair  mi ;  is 
fad'  o  nach  cuala  mi  ceileireadh  nan  eun  air 
feadh  nan  geug  cho  binn  ceolmhor.    . 

Is  beag  so  dheth,  ars'  esan,  seach  mar  tha 
iad  shuas  am  braigh'  a'  ghlinne,  far  am  bheil 
mis'  a  chomhnuidh.  Tha  iad  an  impis  mo 
bhodhradh  gach  maduinn  le  'n  ceol. 

Tha  iadsan,  thuirt  mi  ris,  a'  freagradh  crioch 
araidh  an  cruthachaidh  ;  b'  fhearr  gu  'n  robh 
sinn  uile  cho  cuimhneach  air  ar  co-sheirm 
thaingealachd  a  thogail  's  a  tha  iadsan.  Is 
iomadh  aon  air  an  d'  eirich  grian  an  latha  diugh 
d'  an  d'  thug  Dia  tuigs'  agus  eolas  nach  d'fhosgail 
am  beul  chum  a  mholadh  ;  thoir  thusa  fainear, 
Iain,  nach  ann  diubh  sin  thusa.  'Nuair  a 
dh'fheoraich  mi  dhiot  ciamar  a  bha  do  bhean  's 
do  theaghlach,  fhreagair  thu — Taing  do  Dhia, 
tha  iad  gun  dith  gun  deireas.  Innis  dhomh  an 
fhirinn,  an  d'thug  thu  taing  agus  an  d' rinn  thu 
urnuigh  an  diugh.  Cha'n'eil  mi  feoraich  an 
dubhairt  thu,  'nuair  bha  thu  'g  eiridh — Dia  bhi 
maille  rium — no  facal  eile  mar  sin  air  'aithris  an 
caoin  shuarachas.  Ach  tha  mi  'feoraich  an 
d'  rinn  thu  urnuigh  gu  stblda,  socrach,  maille  ri 
d'  theaghlach,  le  fiamh  diadhaidh  air  t-anam, 
mothachail  air  do  chainnt,  a'  toirt  fainear  co  ris 
.a  bha  thu  labhairt  ? 

Ma  ta,  a  mhinisteir  ghaolaich,  ars'  Iain,  cha'n 
antromaich  mi  mo  chionta  le  breug  innseadh, 
tha  mi  'g  aideachadh  nach  d'  rinn. 

Am  bheil  dull  agadsa,  Iain,  am  bheil  sin 
iomchuidh,  gun  taing  a  thoirt  do  Dhia  airson 
curaim  agus  suaimhneas  na  h-oidhche,  no  gun  a 
chaoimhneas  's  a  shuil-choimhead  iarraidh  's  an 
la  a  tha  romhad.  Is  beag  tha  fhios  agad  ciod  a 
thachras  dhuit  m'  an  tig  an  oidhche,  no  co  an 
lamh  a  chuireas  dhiot  an  t-aodach  a  chuir  thu 
fein  umad.  Cha  do  thairgeadh  taingealachd  an 
diugh  o  d'  fhardaich,  agus  is  ann  de  throcair  an 
Tighearna  nach  bi  bas-bhualadh  ann  m'  an  teid 
sibh  a  luidhe.  Slan  leat,  Iain,  air  an  am,  mu  'n 
chuis  so  bidh  barrachd  seanchais  eadaruinn  's  an 
ath-chbmhdhail. 

Dhealaich  Iain  rium,  agus  bha  e  a  reir  coltais 
fo  iomaguin,  gu  'n  deonaicheadh  am  Freasdal 
4ha  aire  'ghabhail ! 

Tamull   beag  an  deigh  dhomh  dealachadh  ri 


Iain,  choinnich  duine  mi  o  iomall  na  sgireachd, 
a  bha  ro  riaghailteach  air  tigh'nn  do'n  eaglais 
air  la  na  Sabaid.  Chuir  sinn  failt  air  a  cheile; 
Tha  mi  ro  thoilichte,  Eoghain,  arsa  mise, 
d'  f haicinn  a'  tigh'nn  cho  trie  do  'n  eaglais,  thu 
fein  agus  do  theaghlach,  agus  mhothaich  mi  gu 
bheil  am  Biobull  is  Leabhar  nan  .Salm  'n  ur 
cuideachd  gach  la,  cleachdadh  a  tha  ciatach. 

Ma  ta,  thubhairt  e,  tha  sin  gun  teagamh  ceart, 
cha  'n  uallach  do  dhuine  sam  bith  am  Biobull 
a  ghiulan.  Tha  aon  aig  gach  duine  de  'm 
theaghlach,  agus  cha'n'eil  lethsgeul  aca  gun  iad 
a  bhi  'nan  cuideachd. 

Is  mor,  arsa  mise,  am  beannachadh  am 
Biobull ;  ach  innis  so  dhomh,  an  cleachdadh 
leat  a  bhi  'g  a  leughadh  aig  an  tigh  air  son  do 
mhaith  fein  agus  leas  do  theaghlaich.  An  do 
leugh  thu  earrann  dheth  an  diugh  ?  No  an 
robh  e  ann  ad  laimh  o'n  a  thaisg  thu  seachad  e 
le  d'  aodach  Domhnaich  air  feasgar  na  Sabaid? 

Cha'n  fhaod  mi  radh  nach  'eil  mi  anns  a' 
chuis  so  ciontach,  fhreagair  e,  ach  tha  mi  'n 
d6chas  gu'n  gabhar  mo  lethsgeul ;  tha  mi  air  mo 
chlaideirt  ri  obair  ghoirt,  o  mhoch  Di-luain  gu 
anmoch  Di-sathuirne.  'Nuair  thig  mi  dhachaidh 
tha  mi  cho  sgith  's  gur  buidhe  leam  mo  shineadh 
air  an  leabaidh,  's  cha  luaithe  thig  an  t-soilleir- 
eachd  na  's  eigin  a  bhi  mach. 

Tha  sin  da-rireadh  trom,  thubhairt  mi ;  ach 
am  bheil  e  ceart  dhuit  d'  inn'  uile  a  bhuileachadh 
air  nithean  aimsireil.  Cha  'n  'eil  thu  .  mar  bu 
choir  dhuit ;  nam  biodh  speis  agad  do'n  Leabhar 
Naomh  agus  iomaguin  ort  mu  d'  anam,  cha  b' 
eagal  nach  faigheadh  tu  cothrom  air  a  leughadh. 
Nan  tairginn-sa  dhuit  air  an  am  litir  o  charaid 
fad'  air  falbh,  ag  innseadh  dhuit  mu  dhilib 
luachmhoir  a  dh'  fhagadh  agad,  's  beag  mo 
churam  gu'n  abradh  tu  rium  nach  robh  iiin' 
agad  air  a  leughadh,  no  gu'n  glasadh  tu  seachad 
i  gu  latha  na  Sabaid.  Thoir  fainear,  a  charaid, 
gur  cunnartach  an  ni  coslas  na  diadhaidheachd 
a  ghiulan,  agus  a  bhi  aineolach  air  a  cumhachd. 
Is  iomadh  neach  a  dhitear  airson  am  Biobull  a 
bhi  aca  's  gun  am  feum  iomchuidh  a  dheanamh 
dheth.  Slan  leat  air  an  am,  agus  tha  dochas 
agam  an  ath  uair  a  chi  mi  thu  's  an  eaglais  le 
d' leabhar  'na  d'  laimh,  nach  eigin  domh  amharc 
ort  mar  neach  a  tha  deanamh  sin  a  chum  gu'm 
faicear  le  daoin'  e. 

Mar  a  ghabh  mi  air  m'  aghaidh  rainig  mi  cnoc 
boidheach  far  an  d'  fhuair  mi  seann  diol  deirc' 
a  bhuineadh  do'n  sgireachd,  a'  cur  a  sgios  dheth, 
agus  shuidh  mi  lamh  ris. 

Am  bheil  thu  beo,  Eachuinn,  thuirt  mi  ris. 

Ma  ta,  ars'  esan,  is  sin  uil'  e ;  tha  mi  fhathast 
ag  oidhirpeachadh  mi  fhein  a  thoirt  tre'n  t- 
saoghal  mar  is  fearr  a  dh'  fhaodas  mi,  ach  tha 
mi  a  fas  lag  is  anfhann,  's  cha  'n  fhad'  is  duth 
dhomh  a  bhi  m'  uallach  air  an  duthaich.     Tha 


mi  aois  mhor  a  nis,  rugadh  mi  bliadhn'  an 
Fheachd,  an  uair  a  bha  na  Gaidheil  a'  feuchainn 
an  righ  Papanach  a  cliurthairis  oirnn  :  cunntaibh 
fein  sin,  a  mhinisteir. 

Tha  sin  'g  ad  dheanamh  ceithir  fichead 
bliadhna  's  a  ceithir.  Ciod  an  nine  o  'n  a  tha 
thu  'g  iarraidh  na  deirce  ? 

Tha  uaithe  sin  coig  bhadhna  fichead,  agus  is 
aithne  dhuibh  fein  an  eigin  a  chuir  ann  mi. 

'S  aithne,  thubliairt  mi,  ach  innis  so  dhomh, 
cia 'mheud  de'n  uine  sin  a  chuir  thu  seachad 
ann  an  iarraidh  na  deirce  spioradail,  ann  an 
aslachadh  beannachdan  spioradail  o  Dhia. 

Dh'  amhairc  e  orm  le  caileigin  a  dh'  ioghnadh, 
agus  thubhairt  e.  Gu  cinnteach  is  ro  bheag  de 
m'uin'  a  chosg-  mi  ag  iarraidh  nan  nithean  sin, 
seach  na  chuir  mi  seachad  ag  iarraidh  nithean 
aimsireil  o  dhaoine. 

Agus  ciod  an  cunntas  a's  urrainn  duit-sa  thoirt 
do  Dhia  air  son  thu  bhi  cho  dian  durachdach 
air  son  loin  do  d'  chorp  truaillidh  agus  cho 
dearmadach  mu  easbhuidh  d'  anma. 

Thuirt  e  gu  'n  robh  e  dichiollach  chum 
uireasbhuidh  a  riarachadh. 

Tha,  arsa  mise,  ach  thoir  fainear  mur  'eil  thu 
cho  dichiollach  aig  cathair  nan  gras  airson 
maitheanas  peacaidh  agus  comhnadh  an  Spioraid 
Naoimh  ehum  t-uidheamachadh  fa  choimhair 
bais  is  siorruidheachd,  tha  thu  da  rireadh  a'd 
dhuine  bochd  's  a'd  chulaidh  thruais,  a'  seasamh 
air  stairsnich  a'  bliais,  ann  an  cunnart  gach  la  a 
bhi  air  do  ghairm  air  falbh.  Falbhaidh  an 
oigridh,  ach  cha'n'eil  dol  as  aig  na  h-aoismhoir. 
Ann  am  bliadhna  no  dha  bidh  gu  cinnteach 
dhuit-sa  crioch  air  am  uidheamachaidh:  iarr 
uime  sin  aran  na  beatha  maireannaich. 

A  Mhinisteir,  thubhairt  e,  thugaibh  so  leibh, 
nach  d'  fhuair  mise  cothrom  a  'm  oige  ;  cha'n'eil 
sgoil  no  meomhair  agam  gu  urnuigh  fhoghlum. 
,  Stad,  stad,  arsa  mise,  ciod  an  sgoil  anns  an 
d'  ionnsaich  thu  an  deirce  iarraidh.  Co  a's 
pongaile  dh'  innseas  'uireasbhuidh  na  thu,  no 
chuireas  a  laigs'  is  anmhuinneachd  mu  choinn- 
eamh  gach  neach  a  shaoileas  tu  a  chobh'reas 
ort  ?  Co  dh'  ionnsaich  so  dhuit  ?  Ciamar  a  tha 
do  mheomhair  cho  maith  anns  a'  chuis  so,  agus 
thu  fein  cho  deas  chainnteach  dian  iarratach  'sa 
tha  thu.  Nam  biodh  mothachadh  agad  air 
uireasbhuidh  d'  anma,  mar  a  tha  agad  air 
uireasbhuidh  do  chuirp,  cha  b'  eagal  nach 
deonaichteadh  cainnt  dhuit.  Thogadh  tu  d' 
urnuigh  mar  a  rinn  Bartimeus  a  bha  'g  iarraidh 
na  deirce  ri  taobh  na  slighe — losa,  mhic 
Dhaibhidh,  dean  trocair  orm.  Falbh  air  an  am 
ach  cuir  an  oidhche  nochd  seachad  ann  am 
thigh,  's  ma  dheonaicheas  Dia  dhomh  pilleadh, 
bidh  am  barrachd  seanchais  againn. 


DI-HAOINE. 


Tha'n  sean  fhacal  ag  radh  gu  bheil  Di-haoine 
'n  aghaidh  na  seachduin.  Cha  'n  urrainn  sinn 
a  radh  ciod  a  tha  'm  facal  a  ciallachadh.  Leis 
na  seann  daoine  cha  robh  e  air  a  chunntas 
sealbhach  dol  a  dh'amharc  duine  tinn,  air  son 
na  ceud  uaire,  air  Dihaoine.  Nan  robh  thu  'ga 
amharc  roimhe  sin  dh'  fhaodadh  tu  dol  far  an 
robh  e  air  Di-haoine  gun  eagal  cron  a  dheanamh; 
ach  mur  robh,  b'  fheair  dhuit  an  tigh  a  sheach- 
nadh  air  an  latha  sin.  Is  beag  nach  robh  cho 
mhaith  le  muinntir  an  tighe  am  bas  fhein 
fhaicinn  a  tigh'nn  a  dh' ionnsuidh  an  doruis. 
Bha  moran  dhaoine  nach  deanadh  banais,  no 
reiteach,  no  baisteadh,  no  bangaid  air  Di-haoine, 
oir  bha  iad  a'  creidsinn  gu  'n  eireadh  tubaist  air 
chor-eigin  dhaibh.  B'  aithne  dhuinn  cailleach  a 
mhuinntir  Thiriodh  a  rachadh  air  druim  dearg  a' 
chuthaich  nam  feuchadh  umpaire  balaich  ris  na 
h-eireagan  aic'  a  chunntas  air  Di-haoine.  Bha  e 
'na  fhior  dhroch  guidhe  a  radh  ri  duine — 
aireamh  na  h-aoin'  ort.  Fhuair  an  latha  droch 
ainm,  ach  cha'n'eil  fios  againn  carson,  mur  h-ann 
a  chionn  gu'm  b'e  Di-haoine  an  latha  air  an  do 
cheusadh  Criosd,  's  gu  robh  na  seann  daoin'  an 
duil  gu  'n  do  lean  mallachd  e  'na  lorg  sin,  's  gu 
robh  cumhachd  aig  droch  spioradan  air  an  la 
so  nach  robh  aca  air  laithean  eile. 


LAOIDHEAN   GAIDHLIG— 72. 


O  Athair  Shiorruidh,  'n  tearnadh  treun, 
Chuir  cuan  fo  gheill  do  d'ghairdean  fhein, 
Tha  toirt  na  h-aithne  mhoir  do  "n  mhuir, 
'S  na  criochan  roimhp'  air  tiis  a  chuir, 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eiridh  uainn 
As  letH  nan  uil'  tha  'n  gabhadh  cuain. 

O  Chriosd  a  chronaich,  is  fo  fhiamh 
Luidh  onfhadh  ard  nan  stuadh  gu  fiath, 
Thusa  a  dh'  imich  druim  a'  chuain, 
'S  an  sarach-mara  bha  'nad  shuain, 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eiridh  uainn 
As  leth  nan  uil'  tha  'n  gabhadh  cuain. 

O  Spioraid  naoimh,  aig  tus  an  t-saogh'l 
Air  bharr  na  doimhn'  do  sgiathan  sgaoil, 
A  chaisg  gach  buaireas,  borb  is  stri, 
'S  a  shiolaidh  duil  gu  ciuine  's  sith 
An  urnuigh  eisd  tha  'g  eiridh  uain 
As  leth  nan  uil'  tha  'n  gabhadh  cuain. 

O  Thrianaid  bheannaichte  nan  gr^s 
Ar  braithrean  dion  'nan  uile  chks  ; 
Bho  sgeir,  bho  shion,  bho  theine,  's  namh, 
Bi'  thus'  ad  thearmunn  dhaibh  gun  tamh 
Dhuit  eiridh  'n  sin,  o  mhuir  's  o  thir, 
Ard  laoidhean-molaidh  ait  gu  sior. 


f 


1 

i 


'I 


J. 


Air,   4. 


1909. 


AISEIRIGH     CHRIOSD. 


DK  eirich  an  Tighearna  da  rireadh. 
— Lucas  xxiv.  J4. 

Air  feadh  an  t-saoghail  gu  leir  aig  an  am  so 
de'n  bhliadhna  thacreidmhich  a' cumail  cuimhn' 
air  aiseirigh  Chriosd,  's  ann  an  deich  mile  teampuU 
togar  am  fonn  ait, 

Dh'  eirich  Criosd  a  nios  o'n  uaigh, 

Seinneadh  na  tha  bhos  is  shuas  ; 

Seinn  a  thalaimh,  seinn  a  neimh, 

Cuiribh  uile  'chliu  am  meud. 

Feuch  a  nis  tha  losa  be6, 

Ghabh  e  comhnuidh  shuas  an  Glbir ; 

Thug  a  bhas  an  gath  o'n  Bhas 

'S  chain  an  uaigh  a  buaidh  gu  brath. 

Cha  'n  'eil  ioghnadh  ged  a  dheanadh  an  Eaglais 
gairdeachas  anns  an  sgeul  aoibhnich  so,  oir  is 
•e  aiseirigh  Chriosd  steidh  a  dochais.  Faodaidh 
gu  bheil  cuidadhaoin' ann  a  tha  creidsinn  gu'm 
maireadh  an  Creidimh  Criosduidh  beo  ged  a 
dhearbhteadh  nach  robh  anns  an  aiseirigh  ach 
faoin-sgeul,  ach  tha  sinn  an  duil  gu  'n  abair  a' 
mhor-chuideachd  mar  thuirt  Pol — Mtir  d'  eirich 
Criosd,  tha  ar  creidij7ih  diomhain.  Tha  'n  eag- 
lais air  a  steidheachadh  air  firinn  na  h-aiseirigh, 
's  nan  do  ghleidh  an  uaigh  corp  Chriosd  cha 
bhiodh  iomradh  an  diugh  air  'ainm.  Thug  an 
crann  ceusaidh  buille-bhais  do  dhochas  's  do 
mhisneach  nan  Abstol.  Cho  fad  'sa  bha  losa 
maille  riu  bha  dochas  aca  gu  'm  b'  esan  an  ti  a 
bha  gu  Israel  a  shaoradh.  Ged  nach  robh  e 
cothachadh  mar  bu  mhaith  leo  an  aghaidh 
uachdaranachda  an  t-saoghail,  's  ged  a  bha  luchd 
riaghlaidh  's  luchd  teagaisg  na  duthcha  a' 
faotainn  lamh  an  uachdar  air,  bha  seorsa  dochais 
aig  na  deisciobuil  gu  nochdadh  e  a  chumhachd 
ann  an  iiine  ghearr,  's  gu  'n  gabhadh  e  an  tuadh 
's  an  claidheamh  'na  laimh  chum  buille  threun 
a  bhualadh  airson  saorsa  Israel.  Ach  'na  aite 
sin  chunnaic  iad  e  air  a  chur  gu  bas  eadar  da 
ghaduiche  's  cha  d'  fhosgail  e  a  bheul.  Dh' 
eisd  iad  ri  magadh  is  tair  na  feadhnach  a  thuirt 
ris — Saor  thu  fein  ma  \  tu  Criosd,  aon  taghta 
Dhe.  A'  bheil  ioghnadh  ged  a  chaill  na  deis- 
ciobuil an  dochas  ?  Bha  br6n  'nan  cridhe  airson 
a'  charaid  chaoimh  a  thugadh  uapa,  ach  cha 
b'e  sin  an  rud  bu  mhiosa.  Bha  iad  mar  mhar- 
aichean  air  sgeir  's  an  long  briste.     Dhuisg  losa 


dochas  solasach  'nan  cridhe  ach  b'  fheudar 
dhaibh  aideachadh  a  nis  nach  robh  ann  ach 
dochas  faoin.  Bha  fios  aca  gu  'm  biodh  iad 
'nan  cuis  mhagaidh  anns  an  tir,  's  gu  'n  abradh 
seanairean  is  sgonn-bbalaich  gu  'm  bu  cheart  a 
dh'  eirich  do  na  h-amadain.  Chuir  iad  an 
comhairle  ri  cheile  's  dh'  aontaich  iad  gur  h-e 
an  rud  a  bu  ghlice  b'  urrainn  dhaibh  a  dheanamh 
a  nis,  an  aghaidh  a  chur  's  an  airde  tuath  's 
Galile  a  thoirt  a  mach  cho  luath  's  a  ghabhadh 
e.  Ach  rinn  iad  ath-chomhairle.  Bha  cumhachd 
nach  b'  aithne  dhaibh  fhein  'g  an  cumail  an 
lerusalem,  's  ann  an  iomall  a'  bhaile  chuir  iad 
seachad  an  t-Sabaid.  B'  e  sin  an  t-Sabaid 
thursach ;  ged  a  bha  'n  teampull  air  a  lionadh 
le  luchd  aoraidh  a'  coimhead  feill  na  Caisge, 
cha  b'  urrainn  deisciobuil  losa  fonn  nan  Salm  a 
thogail  oir  lion  do-bhr5n  an  cridhe. 

Cha  'n  'eil  e  coltach  gu  'n  deachaidh  a  h-aon 
aca  a  dh'  amharc  na  h-uagha  anns  an  do  leag 
loseph  corp  an  t-Slanuigheir.  Faodaidh  gu  robh 
eagal  orra  an  gnuis  a  nochdadh,  oir  bha  naimh- 
dean  air  an  toir.  Ach  an  glasadh  an  latha 
thainig  Muire  Magdalene  is  mnathan  eile  a  dh' 
ionnsuidh  na  h-uagha,  chum  corp  losa  iingadh 
le  spiosraidh.  Tha  e  'na  riarachadh  le  daoin 
an  latha  diugh  fluraichean  a  leagadh  air  uaighean 
nan  cairdean  gaoil  a  chaidh  as  an  t-sealladh,  's 
bha  e  'na  riarachadh  le  Muire  's  leis  na  mnathan 
eile  an  dleasdanas  deireannach  ud  a  dheanamh 
d'  an  caraid  caomh.  Ghabh  iad  cothrom  air  a 
dheanadh  am  bristeadh  an  latha,  oir  cha  bu 
mhaith  leo  gu  'm  faicte  iad.  Ach  air  dhaibh  an 
t-aite  ruigheachd  bha  'n  uaigh  falamh.  B'  e  sin 
rud  ris  nach  robh  fiuthair  aca,  oir  cha  d'  thainig 
e  idir  'nan  cridhe  gu  'n  d'  eirich  losa  no  gu  robh 
e  beo.  Cha  robh  fios  aig  Muire  ciod  a  bha 
cearr,  ach  smuainich  i  gur  h-e  'n  rud  a  b'  fhearr 
a  ghabhadh  deanamh  fios  a  thoirt  do  Pheadar  's 
do  dh'  Eoin  cho  luath  's  a  b'  urrainn  dhith.  Air 
ball  thainig  an  da  dheisciobul  agus  chunnaic  iad 
gu  'n  robh  chuis  da  rireadh  mar  dh'  innis  Muire 
dhaibh.  Bha  'n  uaigh  falamh,  's  an  lion-eudach 
's  an  neapaicin  a  bha  m'a  cheann  'nan  luidhe 
ann  an  doigh  a  chuir  iongantas  air  na  deisciobuil, 
's  a  rinn  cinnteach  iad  nach  e  daoin'  a  thug  air 
falbh  ah  corp.  Thill  Peadar  is  Eoin  dhachaidh, 
ach  mar  eun  ag  itealaich  mu  'n  cuairt  na  nid 
a  chreachadh,  dh'  fhan  Muire  aig  an  uaigh,  a' 
sileadh  dheur.  Fhuair  a  dilseachd  duais,  oir  air 
dhi    sealltuinn  anns  an   uaigh,    chunnaic    i    da 


14 


aingeal  a  thuirt  rithe — Carson  a  tha  'thu  gul. 
Ach  bha  na  b'  f  hearr  a'  feitheamh  oirre,  eadhoin 
an  Ti  d'a  bheil  na  h-ainglean  'nan  spioradan 
frithealaidh.  Sheas  Criosd  maille  rithe  agus 
thubhairt  e — Carson  a  tha  thu  gul,  co  tha  thu  'g 
iarraidh  ?  Dh'  f  haodadh  Muire  radh  gu  'm  bu 
bheannaichte  ise  am  measg  bhan  oir  b'  a 
a  cluasan-se  a  chuala  na  ceud  fhacail  a  labhair 
Criosd  ann  an  staid  a  ghloire.  Ach  cha  robh 
fiuthair  aice  esan  f haicinn,  's  eadar  an  dorchadas 
is  neul  nan  deur  a  bh'  air  a  suilean  cha  d' 
aithnich  i  e.  Faodaidh  nach  do  sheall  i  air,  oir 
shaoil  i  gu  'm  b'e  'n  gairnealair  a  bh'  ann.  Ach 
ghairm  Criosd  air  a  h-ainm  i — A  Mhutre.  Leum 
a  cridhe  ris  an  fhacal  oir  dh'  aithnich  i  nis  an 
guth  's  ghlaodh  i  le  gairdeachas  Mo  Mhaighstir. 

Anns  an  fheasgar  dh'  fhoillsich  Criosd  a  f hein 
do  dha  dheisciobul  air  an  t-shgha  gu  Emmaus. 
Cha  bhuineadh  iad  do  chomunn  nan  abstol,  ach 
bha  iad  a  cheart  cho  tursach  ris  na  h-abstoil  an 
deigh  na  thachair  an  Jerusalem  air  an  t-seachd- 
uinn  a  chaidh  seachad.  Chual  iad  an  seanchas 
a  bha  dol  am  measg  chaich,  gu  'n  d'  fhuaradh 
an  uaigh  falamh.  Ach  ma  chuala,  cha  do  chreid 
iad  gu  'n  d'  eirich  Criosd  no  gu  robh  a  beo. 
Dh'  innis  iad  do  'n  choigreach  a  choisich  maille 
riu  car  air  char  mar  thachair — ciamar  a  chuireadh 
losa  gu  bas,  ciamar  a  bha  dbchas  aca  gu  'n 
saoradh  e  Israel,  ciamar  a  bha  e  air  a  mhonmur 
am  measg  dhaoine  gu  'n  d'  eirich  e,  ach  ars' 
iadsan,  tha  tri  laithean  o  thachair  na  nithean 
sin.  Mar  gu  'n  abradh  iad — Cha  'n  urrainn  an 
seanchas  a  thog  na  mnathan  a  bhi  fior.  Cha  d' 
aithnich  iad  fhathast  co  bha  maille  riu  ach  dh' 
eisd  iad  le  ro-aire  am  feadh  'sa  mhinich  a  dhaibh 
na  faidhean,  's  a  nochd  e  dhaibh  gu  'm  b'  eigin 
do  Chriosd  fulang  ma  rachadh  e  steach  d'a 
ghloir.  Bhean  na  briathran  cho  dluth  ri  'n 
cridhe,  's  dhuisg  iad  annta  leithid  a  sh61as 
's  nach  duraichdeadh  iad  dealachadh  ris  a' 
choigreach,  's  thuirt  iad  ris — Fan  maille  ruinn, 
oir  tha  e  dluth  do  'n  fheasgar  's  tha  deireadh  an 
la  ann.  Ciod  a  thachair  na  dhaigh  so,  cha  'n 
'eil  na  soisgeulaichean  ag  radh,  ach  a  mhain  gu'n 
do  shuidh  a  gu  biadh  maille  riu,  gu  'n  do  ghlac 
a  aran,  's  gu  'n  do  bhaannaich  se  a,  gu  'n  d' 
fhosgladh  an  suilean  's  gu  'n  d'  aithnich  iad  e. 
Bha  e  maille  ris  an  da  fhear  dheug  aig  an 
t-suipeir  naomh  'san  t-seomar  uachdrach,  ann 
an  coslas  feola  's  ann  an  staid  a  dhaonnachd, 
ach  b'e  so  a  cheud  bhord  comanachaidh  aig  an 
robh  a  lathair  ann  a'  staid  a  ghloire. 

An  deigh  dha  dol  as  an  t-saalladh  thill  an  da 
dheisciobul  gu  lerusalam  a  dh'  innseadh  na 
chuala  's  na  chunnaic  iad.  Bha  'n  treud  baag 
sgapte  le  h-eagal  'nuair  a  dh'  fhag  Cleopas  am 
baile  's  a'  mhaduinn,  ach  'nuair  a  thill  e  'san 
fheasgar  fhuair  e  iad  cruinn  ann  an  aon  aite 
(cha  robh  Tomas  ann)  a'  deanamh  iolaich  's  ag 
radh  —  DK  eirich   an    Tighearna,    is   chunnaic 


Simon  e.  Ma  bha  sgeul  iongantach  aig  na 
h-abstoil  ri  innseadh  do  Chleopas,  bha  sgeul 
cho  iongantach  aig  Cleopas  ri  innseadh  dhaibh, 
ach  am  feadh  's  a  bha  e  g'a  h-innseadh  dh'  fhas 
a'  chuideachd  balbh  oir  fauch,  bha  Criosd  mailk 
riu.  Cha  chualas  fuaim  a  theachd,  's  bha  'n 
doruis  duinte  's  cha'n  fhaca  suil  e,  gus  an  cual 
iad  an  guth  ciuin  air  an  robh  iad  eolach — Sith 
maille  ribh.  Ghabh  iad  eagal  oir  shaoil  iad  gur 
spiorad  a  chunnaic  iad,  ach  air  dha  a  lamhan  'sa 
chasan  is  larach  nan  tairngean  a  leigail  fhaicinn 
dhaibh  chreid  iad.  Choimh-lionadh  dhaibh  an 
gealladh  —  Chi  mi  sibh  a  ris,  agus  ni  sibh 
gairdeachas  agus  bhur  'n  aoibhnaas  cha  toirear 
uaibh. 

Dh'  innis  each  so  uile  do  Thomas  ach  bha 
asan  an  duil  gu  robh  'n  sgeul  ro  mhaith  airson 
a  bha  fior.  Chuir  a  taagamh  eadhoin  am  facal 
Pheadair  is  Eoin,  's  thuirt  e  nach  tugadh  e  gaill 
do  naigheachd  cho  neo-choltachd  as  eugmhais 
gu  faiceadh  a  Criosd  la  shuilean  fhain,  's  gu  'm 
beanadh  e  le  mheuran  larach  nan  tairngean  'na 
lamhan  's  'na  chasan.  Bha  Criosd  cho  caomhal 
's  cho  faighidneach  ri  teagamhan  is  cruas  cridhe 
nan  deisciobul  an  deigh  na  h-aiseirigh  's  a  bha 
e  ann  an  laithean  fheola,  's  thug  a  do  Thomas 
an  dearbhadh  a  dh'  iarr  e. 

Cha  ruig  sinn  a  leas  tigh'nn  thairis  air  a'  chorr. 
Anns  na  sia  seachduinnean  a  bha  Criosd  air 
thalamh  an  deigh  dha  eiridh  o  na  marbhaibh  dh' 
fhoillsich  se  e  fein  d'a  dheisciobuil  an  iomadh 
aite  's  air  iomadb  doigh.  B'e  aiseirigh  Chriosd 
a  chruinnich  ri  cheila  an  treud  beag  an  deigh 
dhaibh  sgapadh,  agus  is  e  an  aiseirigh  a'  charraig 
air  an  do  thogadh  an  Eaglais.  Cha  robh  duil 
aig  na  h-abstoil  gu  faiceadh  iad  e  gu  brath 
tuilleadh  an  deigh  a  bhais,  's  bha  iad  a'  deanamh 
deas  gu  tilleadh  dhachaidh  is  obair  rioghachd 
Dhe  a  thilgeadh  far  an  lamh.  Ach  'nuair  a  dh' 
eirich  Criosd,  's  a  chunnaic  an  suilean  e,  'sa 
laimhsich  an  lamhan  e,  's  a  thuig  iad  gu  robh  e 
fhathast  maille  riu,  dh'  fhosgail  an  inntinn  air 
chor  's  gu  'n  do  thuig  iad  nithean  a  bha  roimhe 
sin  dorch'  orra,  's  thainig  misneach  is  dochas 
'nan  cridhe  nach  b'  urrainn  an  saoghal  a  thoirt 
uapa.  Dh'  fhairich  iad  gu  robh  iad  air  an 
gairm  le  Dia  gu  fianuis  a  thoirt  mu  'n  aiseirigh. 
B'e  aiseirigh  Chriosd  toiseach  is  deireadh  is 
teas-meadhoin  an  searmoin,  's  nuair  a  thagh  iad 
neach  a  ghabhadh  aite  ludais  'nan  comunn, 
thagh  iad  duine  a  b'  urrainn  fianuis  a  thoirt 
mu  'n  aiseirigh.  Shearmonaich  iad  an  soisgeul 
sin  anns  an  dearbh  aite  anns  an  do  thachair  an 
t-Ioghnadh  Mor,  ach  cha  b'  urrainn  Pharasaich 
no  Sadusaich  a  dhearbhadh gu^m  b' e  sgeul fhaoin 
a  bha  iad  a!  labhairt.  Ged  a  chaidh  Criosd  as 
an  t-sealladh  tha  e  fhathast  beo.  Tha  e  giulan 
air  aghaidh  ministreileachd  a's  farsuinge  's  is 
buadhmhoire  no  b'  urrainn  e  dheanamh  ann  an 
laithean  'fheola.     La  'aiseirigh  thug  e  beatha  's 


4 


15 


neo-bhasmhorachd  gu  solus,  's  thug  e  dearbhachd 
d'a  shluagh  nach  e  'n  uaigh  ceann  an  reis,  ach 
gu  faigh  iad  tuilleadh  agus  buaidh  tridsan.  Tha 
e  air  ardachadh  ann  an  staid  gloire,  saoibhir  ann 
an  lanachd  beatha  as  an  tarruing  an  Eaglais  a 
cuibhrionn  gus  an  tig  nan  naoimh  uile  ann  an 
aonachd  a'  chreidimh  agus  eolais  Mhic  Dhe 
chum  iomlanachd  agus  tomhas  airde  lanachd 
Chriosd. 

Beannaichte  gu  robh  Dia  gu  brath, 
A  chuir  an  namh  fo  chois, 
'S  a  thug  dhuinn  trid  ar  Ceannard  Criosd 
Buaidh  shiorruidh  agus  fois. 


I.— BAA    BAA. 


An  robh  thu  riamh  air  an  Fhaidhir  Mhuilich, 
a  leughadair  ?  Mur  robh,  faodaidh  tu  bhi  coma, 
oir  mar  d'  thubhairt  Para  Mor,  cha  b'e  'n  Sailein 
dubh  baile  na  biadhtachd,  's  airson  ciimhraidh 
dheth,  dh'  fheumadh  esan  eirigh  gu  maith  moch 
a  dheanadh  malairt  ri  Liosach.  Thachair  dhomh 
a  bhi  ann  uaireigin,  agus  mur  tug  gnothuch  ann 
mi,  thug  mi  sgeul  no  dha  as.  Bha  'n  latha  blath 
's  leig  mi  mi  fein  am  shineadh  air  cnoc  a  bha 
taobh  na  pairce  anns  an  robh  'n  Fhaidhir  air  a 
gleidheadh.  An  ceann  greis  thainig  leth  sheann 
duine,  's  an  deigh  dha  'n  latha  mholadh,  shuidh 
e  lamh  rium.  Chord  a  sheanchas  rium  oir  bha 
e  furasda  gu  leoir  fhaicinn  gu  'm  bu  duine 
pongail,  ciallach,  fiosrach  e.  Ach  a  mhic  a' 
chridhe,  cha  b'  fhada  gus  an  robh  car  eile  'n 
ruidhle  bhodaich.  Mhothaich  mi  gu  'n  robh 
sgaoth  de  bhalaich  mhi-mhodhail  a'  dol  mu  'n 
cuairt  na  Faidhreach,  's  mar  dhroch  abhagan, 
a'  toirt  greim  a  sail  gach  fir  a  thachradh  orra. 
Chaidh  iad  seachad  ormsa  's  air  mo  chompanach 
air  a'  cheud  sgriob  gun  am  beul  fhosgladh,  ach 
air  an  ath  turus,  mar  gu  'n  rachadh  am  mac 
mallachd  annta  anns  an  aon  mhionaid,  sheas  iad 
m'  ar  coinneamh  agus  ghlaodh  iad — Ba-Ba-Ba- 
a-a.  Rinn  am  bodach  a  shaoil  mise  bhi  'na 
dhuine  cho  ciallach  aon  mhion  uamhasach  agus 
bha  e  air  a  chois.  Chunnaic  na  sgonn  bhalaich 
an  cunnart  agus  tharr  iad  as.  Dh'  fhalbh  am 
bodach  'nan  deigh  mar  dhuin'  air.druim  dearg 
a'  chuthaich,  a'  deanamh  ghuidheachan  oillteil 
dhaibh,  agus  a'greasad  an  siubhail  le  doirneagan 
chlach.  Ubh,  ubh,  arsa  fear  a  mhuinntir  Cholla 
a  bha  dol  seachad  'se  gaireachduinn,  tha  i  air 
tigh'nn  'na  toit  o'n  iar-thuath.  Chunnaic  mi  gu'n 
do  thuig  esan  gu  de  a  thog  fearg  a'  bhodaich  ann 
an  doigh  cho  gabhaidh,  agus  dh'  fhaighneachd 
mi  dheth  ciod  idir  a  chuir  an  duine  air  a' 
bhainidh.  Mata,  ars'  an  CoUach,  cha  'n  fhaca 
mis'  e  riamh  roimhe,  ach  tha  mi  meallt'  am 
bharail  mur  Liosach  e. 

Tuigidh  tu  nis,  a  leughadair,  gu  de  chuir  am 
bodach  bharr  a  shiuil.     Theirear  na  h-oisgean  ri 


muinntir  Liosmor  mar  fhar-ainm,  's  ma  tha  thusa 
glic  is  gaolach  air  sith,  cha  toir  thu  iomradh  air 
caora  no  odhaisg  'nuair  a  thachras  Liosach  ort 
aig  Faidhir  an  t-Sailein,  no  margadh  an  Obain. 
Anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh  bha  na  Gaidheal 
gle  dheas  gu  far-ainmean  a  thoirt  air  each  a 
cheile,  ach  cha  b'  ann  an  droch  run  sam  bith  a 
bha  iad  a'  deanamh  sin,  ach  ann  am  fearas 
chuideachd.  Bha  na  seann  Gaidheal,  mar  tha 
Gaidheal  an  latha  diugh,  gaolach  air  geireid 
facail  is  bearradaireachd,  agus  is  ann  uaith  sin  a 
dh' eirich  na  far-ainmean  a  tha  cho  cumanta 
'nam  measg.  Nan  deanadh  bard  aona  sgireachd 
rann  aighearrach  is  thugaideach  mu  sgireachd 
eile,  gheibheadh  e  duin'  a  fhreagradh  e  'na 
chiiineadh  fhein.  Tha  h-uile  h-eilean  beag  is 
sgireachd  bheag  a'  saoilsinn  gur  h-iad  fein  ait"^ 
a's  fhearr  o'n  ghrein,  's  los  sin  a  chuir  an  ceill 
do  'n  t-saoghal  bidh  iad  a'  labhairt  gu  taireil 
mu'n  coimhearsnaich.  Ach  labhraidh  an  coimh- 
earsnaich  a  cheart  cho  taireil  umpa-san,  air  chor 
's  nach  'eil  aobhargearain  aig  a  h-aon  dhiu.  Tha 
so  fior  a  thaobh  chinneach  eile  cho  mhaith  ris 
na  Gaidheil.  Dliith  do  Bhagdad  anns  an  aird 
an  ear  bha  baile  beag  ris  an  abairte  Naresh,  aig 
an  robh  a  leithid  a  dhroch  cliu  's  gu  'm  biodh 
fir  Bhagdad  ag  radh  ris  na  h-igheannan  bga — 
Ma  phog  fear  a  Naresh  thu,  ainnt  d'  fhiadan. 
Bha  so  a'ciallachadh  nach  robh  ann  am  muinntir 
Naresh  ach  na  daor  mheirlich,  ach  faodaidh  gur 
h-ann  o  fharmad  a  dh'  eirich  am  facal.  'Nuair 
a  thainig  Philip  gu  Natanael,  's  a  dh'  innis  e 
dha  gu  'n  d'  thainig  am  Messiah  bh'  air  a 
ghealltuinn,  tha  sinn  an  dull  gu  robh  fiamh  gaire 
air  aodann  Natanael  'nuair  a  fhreagair  e — Am 
feud  ni  maith  air  bith  teachd  a  Nasaret.  Tha  e 
coltach  gu  robh  droch  ainm  aig  Nasaret  am 
measg  nam  bailtean  eile  an  Galile,  's  nach  robh 
Natanael  ach  ag  aithris  seorsa  sean  fhacail  a 
chual  e.  Ach  ged  a  fhuair  iomadh  aite  droch  cliu 
gun  a  chosnadh,  tha  e  coltach  gu  robh  na  bailtean 
eile  ceart  ann  a  bhi  cur  buirbe  is  amhlaireachd 
as  leth  Nasaret,  oir  tha  sinn  a'  leughadh  gur 
h-e  muinntir  a'bhaile  sin  a' cheud  fheadhainn 
a  dh'fheuch  ri  lamh  a  chur  am  beatha  Chriosd — 
Lucas  iv.  2g.  'Nuair  a  bha  Pol  a  toirt  comh- 
airle  air  Titus  mu  'obair  ann  an  Crete,  chuir  e 
'na  chuimhne  nach  robh  iad  fo  dheagh  chliu  a 
thaobh  firinn.  Tha,  arsa  Pol,  fear  d'  am  baird 
fhein  ag  radh  — Is  breiigairean  a  ghnath  na 
Cretich.  Ma  bha  na  Cretich  'nan  daoine  breugach 
dh'  fhaodadh  am  bard  a  theangadh  chumail,  oir 
cha  bhiodh  an  fhailing  sin  an  ain-fhios  air  na 
h-eileinean  eile,  's  bhiodh  iad  deas  gu  leoir  gus 
an  inisg  a  thilgeil. 

Anns  na  seann  laithean  bha  raiteachas  eadar 
na  finneachan  nach  'eil  eadar  riu  an  diugh,  agus 
cha  bu  mhisd  leis  an  dara  feadhainn  droch 
thuaileas  a  thogail  air  an  fheadhainn  eile.  Bhatar 
a'  cur  as  leth  nan  Granntach  gu  robh  iad  car 


16 


geocach  agus  nach  biodh  saod  maith  orra  mur 
biodh  a'  cholunn  air  dealbh. 

Cha  bhi  gean  air  Gramitach  gus  am  faigh 
e  brochan. 
Bhatar  a' cur  as  leth  nan  Camshronach  gu  robh 
iad  spiocach  mu  im,  ged  a  bha  iad  fialaidh  gu 
leor  mu  sheorsachan  eile  bidh.  Coltach  ris 
an  fhitheach  nach  toir  an  t-s{iil  do  na  h-iseinnean 
bu  mhaith  leis  a' Camshronach  an  t  im  a  ghlei'lh- 
eadh  dha  fhein. 

larr  gach  ni  air  Ca7nshronach  ach  Im. 

■Ged  a  bha  Clann  Illeathain  'nan  cinneadh 
laidir  bhiodh  each  a  magadh  orra  airson  am 
mdrchuis.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  h-e  Caimb- 
•eulach  gear  air  chor-eigin  a  chuir  am  facal  am 
beul  an  Leathanaich — 

Ged  tha  mi  bochd  tha  mi  uasal 
Taing  do  Dhia  is  Leathanach  mi. 
Bha  iad  fhein  's  na  Uomhnullaich  a'  cur  farrain 
air  each  leis   cho  uaibhreach,  m6rchuiseach  's  a 
bha  iad,  mar  gu  'm  bu  leo  an  saoghal  gu  leir 

Spagadagliog  Chlann  Domhnuill 

Is  ieom  Leathanaich. 
Tha  na  Sgitheanaich  cho  taireil  air  na  h-eileinean 
eile  's  a  bha  Clann  Illeathain  air  na  finneaehan 
a  bu  lugha  na  iad   fhein.     Bhiodh  iad  ag  radh 
gu  'n  d'  thuirt  fear  a  mhuinntir  tir  mor — 

Nam  b'  eileanach  mi,  bu  Sgitheanach  mi, 
a'  ciallaehadh  nach  robh  eilean  eile  ghabhadh 
coimeas  ris.  Tha  na  h-eileanan  mora  'sealltuinn 
sios  air  na  h-eileanan  beaga,  's  bheir  muinntir 
nan  eileanan  beaga  buidheachas  do  Dhia  nach 
do  rugadh  iad  am  Barraidh.  Their  na  Sgithean- 
aich an  t-eilean,  is  muinntir  Urchadainn  an  gleann 
ri  tir  an  duthchais,  mar  nach  biodh  eilean  no 
gleann  eile  fo  'n  ghrein  ach  iad  fhein.  Ach  ma 
theid  thu  an  seanchas  ri  Leodhasach,  cluinnidh 
tu  am  facal, 

Cho  fad  'sa  bhios  maide  'sa  choill 

Bidh  foill  'san  Sgitheanach, 

's  ma  theid  thu  an  seanchas  ri  fear  a  SrathGhlais 
innsidh  e  dhuit  nach  'eil  bodaich  Ghlinn  Urch- 
adain  an  ni  a  shaoil  thu. 

Crabhadh  a'  Ghlinne — malairt  nam  muc. 
Bha  mi  bruidhinn  ri  Tiristeach  an  uiridh,  's  thug 
•e  tarruing  air  duin'  air  am  fac'  e  dear  beag 
•drama  beagan  roimhe  sin.  Nach  do  shaoil  mi, 
arsa  raise,  nach  cuireadh  e  'na  bheul  e.  An  e'n 
.t-Ileach,  ars'  esan,  fear  mo  ghraidh.  Tha  na 
Muilich  gu  maith  taireil  air  daoin'  eile  agus 
faodaidh  gur  h  e  sin  a  thug  air  each  a  bhi  cho 
trom  orrasan 

Muileach  is  Ileach  is  deamhan 
Triiiir  a's  miosa  '5  an  domhati 
'S  mios'  am  Muileach  no  'n  t-Ileach 
'S  7nios'  a?i  t-Ileach  no  'n  Deatnhan. 


Tha  facal  eil'  ann  a  tha  'g  radh. 

Cha  'n  fhaic  am  Muileach  nach  sanntaich  am 
Muileach, 

Na  shanntaicheas  am   Muileach,   goididh  an 
Collach 

Na  ghoideas  an  Collach  cuiridh  an  Tirisdeach 
am  falach. 
Tha  e  soilleir  o'n  fhacal  so  gur  h-ann  aig  an 
Tiristeach  a  bhiodh  a'  chobhartach  air  deireadh 
na  cluiche,  's  nach  fagadh  e  aig  each  ach  an 
eucoir  gun  a  duals.  Tha  e  air  a  radh  nach  do 
ghabh  Gaidheal  riamh  athadh  airson  an  seorsa 
meirle  so — Fiadh  a  beinn,  slatag  a  coill,  is  bradan 
a  uisge.  Bu  duilich  do  na  Tirisdich  's  do  na 
Collaich  rud  a  ghoid  nach  gabhadh  faotainn, 
ach  bha  seorsa  meirle  eil'  ann,  as  nach  do  ghabh 
iad  riamh  a'  bheag  a  thamailt,  agus  b'e  sin — 
cobhartach  cladaich.  Bhiodh  na  Tirisdich  a' 
cur  as  leth  nan  Collach  nach  deanadh  iad  tapadh 
sam  bith  ri  cliathaich  Wreck  air  sgeir  mhara,  no 
ri  solus  latha,  ach  neo-ar-thaing  nach  goideadh 
iad  an  stuth  a  chuireadh  na  Tirisdich  gu  tir. 

Cha  'n  'eil  baile  beag  an  Tiriodh  air  nach  'eil 
far-ainm  aig  each, 

Bhalla — Na  sgait. 
,  Salum — Na  sithichean. 

Ruaig — Na  roin. 
An  caolas — Na  tunnagan. 
Cha    tuig  duine   nach    do    rugadh   's   nach    do 
thogadh  's  an  eilein  leud  is  airde  's  doimhne  'n 
fhacail  so — Fir  Sgairnis  is  mnaihan  Odhraisgear. 

Theirear  ris  na  Diuraich  na  heich,  's  their  na 
Diuraich  ri  muinntir  Chnapadail  an  crodh  maol. 
Tha  e  furasda  gu  leor  a  thuigsinn  gu  de  bha  'm 
beaehd  nan  Diurach  ann  a  bhi  'g  radh  crodh 
maol  ris  na  daoin'  eile,  ach  cha  'n  'eil  e  furasd  a 
radh  gu  de  tha  na  h-eich  a'  ciallaehadh.  Faodaidh 
gur  h-e  spionnadh  nan  Diurach  a  thug  na  h-eic)i 
orra,  oir  'nuair  a  bhitear  a'  moladh  neach  air  son 
spionnaidh  theirear — tha  echo  laidir  ris  an  each. 
Anns  na  far-ainmean  tha  daoin'  air  an  samhlach- 
adh  mar  is  trice  ri  beothaichean  na  talmhainn, 
eisg  na  mara,  is  eoin  an  adhair.  Faodaidh  mi , 
cuid  air  a  bheil  cuimhn'  agam  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so,  ach  theirinn  riut  a  leughadair,  c'  ait' 
air  bith  an  do  rugadh  tu,  gun  mhiothlachd  a 
ghabhail  's  gun  dol  air  a'  bhainidh  mar  rinn  an 
Liosach  'nuair  thuirt  balaieh  an  t-Sailein,  Ba-Ba 
Baa.  Ach  ma  theid,  mo  thogair  ;  cha  ruig  na 
doirneagan  ormsa. 


-na  doideagan. 


Muile- 

Leodhas — na  birich. 

An  Ros — na  gamhna. 

I. — na  h  eich. 

Sleibhte — na  cearcan. 

Gleann-eilg — oisgean  nan  casa  caola. 

Cearara — na  h-eireagan. 

Airdnamurchan — na  cnodain. 

Lathurna — na  losgain. 


Air    6. 


1909. 


AN    DUINE    BEANNAICHTE. 


Cha  'n  'eil  an  t-salm  so  fada,  ach  faodar  a  radh 
uimpe  mar  thuirt  fear  de  na  h-athraichean  mu 
aon  de  litrichean  Phdil — "  ged  tha  i  beag  tha  i 
brioghmhor."  Their  cuid  gur  h-e  Solamh  a 
sgriobh  i  los  a  curaig  toiseach  co-chruinneachadh 
de  bhardachd  athar  a  rinn  e.  Cha  'n  urrainn  sinn 
a  radh  co  dhiu  a  tha  sin  fior  no  nach  'eil,  ach  a 
dh'  aon  chuid,  tha  i  freagarrach  gu  leor  mar 
roimh  radh  do  laoidhean  Dhaibhidh.  Tha  i  a' 
teagasg  ann  an  doigh  shimpHdh  is  dhruidhteach 
an  fhirinn  a  tha  na  sailm  uil'  a'  teagasg,  gur 
beannaichte  iadsan  air  a  bheil  eagal  an  Tighearna 
's  gur  h-olc  a  dh'  eireas  do  na  h-aingidh. 

Anns  na  ceud  tri  rannan  tha  'n  Sahnadair  ag 
innseadh  ciod  iad  comharan  an  fhirein.  Tha  e 
tighinn  thairis  an  toiseach  air  nithean  a  sheach- 
nas  an  duine  diadhaidh,  's  'na  dheigh  sin  tha  e 
'g  ainmeachadh  na  nithean  anns  an  gabh  e  tlachd. 

Cha  ghbiais  e  an  comhairlc  nan  aingidh 
Cha  seas  e  an  sliglie  nam  peacach 
Cha  snidh  e  an  caithir  luchd  fanoid. 

Cha  'n  'urrainn  dall,  dall  eile  a  threorachadh 
agus  tuitidh  esan  a  ghabhas  comhairle  an  aingidh 
anns  an  latHaich.  A  reir  teagasg  an  t-seann 
Tiomnaidh,  tha  'n  duin'  aingidh  co-ionann  ri 
amadan,  oir  cha  'n  'eil  eagal  De  air  agus  is  e 
■  eagal  De  toiseach  a  ghliocais.  Cha  'n  iarr  an 
duine  glic  comhairl'  air  amadan,  oir  tha  fios  aige 
nach  tig  as  a'  phoit  ach  an  toit  a  th'  innte. 
Gabhaidh  an  duine  glic  comhairle  dhaoine  glic 
agus  bheir  e  geill  do  'n  fhacal; — Ma  thalaicheas 
peacaich  thu,  na  aontaich  leo.  Cha  mho  a 
sheasas  an  duine  glic  an  slighe  nam  peacach. 
Cha  'n  e  mhain  gu  'n  seachain  e  olc  ach  seach- 
naidh  e  coslas  uilc.  Taghaidh  e  a  chompanaich. 
Is  maith  leis  conaltradh  a  dheanamh  riusan  a  tha 
gabhail  tlachd  anns  na  nithean  a's  toigh  leis  f  hein, 
agus  cha  bhi  iarraidh  aig'  air  seanchas  na  feadh- 
nach  nach  labhair  ach  faoineis.  Cha  suidh  e  an 
cathair  luchd  fanoid.  Nan  deanadh  e  sin,  cha 
bhiodh  e  an  dara  cuid  glic  no  diadhaidh,  oir  tha 
spiorad  a'  mhagaidh  agus  spiorad  na  diadhaidh- 
eachd  calg  dhireach  an  aghaidh  a  cheile.  'Nuair  a 
thoisicheas  duine  air  ianoid  a  dheanamh  air 
diadhaidheachd  's  air  eaglaisean,  's  air  luchd 
aideachaidh,  's  air  a'  Bhiobull,  tha  e  ann  an  staid 
chunnartaich.     Tha  e  air  tuiteam  cho  iosal  's  is 


Salmadair  a'  toirt 
feudar  an  duine 


urrainn  dha  tuiteam.  Air  cho  fad  's  gu  'n  teid 
duin'  air  seacharan,  's  air  cho  domhain  's  gu  'n 
tuit  e  anns  a'  pheacadh,  cha  ruigear  leis  dochas 
a  chall  uime  ma  tha  urram  do  Dhia  's  do 
dhiadhaidheachd  'na  chridhe.  Ach  ma  chailleas 
e  sin,  's  ma  thoisicheas  e  air  fanoid  a  dheanamh 
orra,  tha  e  ullamh.  Cha  ruigear  leis  a  bhi 
bruidhinn  ris  oir  cha  ghabh  e  comhairle.  Esafi 
a  bheir  achnhasan  do  dJi  fhear  fochaid,  gheibh  e 
dhafetn  masladh. — Gnath-fhocail  ix.  7.  Tha  fear 
na  fochaid  daonnan  'na  dhuin'  aig  a  bheil  inntinn 
bheag  is  cridhe  cruaidh  is  anam  gun  urram.  Tha 
shiiilean  diiinte,  's  cha  d'  f huair  e  riamh  sealladh 
air  ni  sam  bith  a's  fhearr  no  e  fhein.  Magaidh  e 
air  crabhadh  athar,  's  air  uirnighean  a  mhathar, 
agus  an  duin'  a  dheanadh  sin  mhagadh  e  air  Dia. 
Cha  'n  'eil  eagal  Dhe  no  dhaoin'  air,  's  cha  chuir 
e  dragh  sam  bith  air  ged  a  ghortaicheadh  e  le 
bhriathran  magail  cridheachan  dhaoin'  a's  fhearr 
no  e  fhein.  Tha  fear  na  fochaid  fada  fada  o 
rioghachd  Dhe  oir  tha  an  spiorad  a  th'  air 
a  ghiulan  calg  dhireach  an  aghaidh  spiorad 
Chriosd. 

Anns  an   dara  rann  tha  'n 
seachad  da  chomhara  leis  am 
diadhaidh  aithneachadh. 

Tha  tlachd  aige  do  dli  fhacal  an  Tigheariia. 
Tha  e  daonnan  a'  beachd-smuaineachadh  air. 

Tha  facal  Dhe  'na  lochran  dha.  Cha  'n  'eil 
leabhar  a  sgriobhadh  riamh  a  tha  cho  priseil  do 
chreidmhich  ris  a'  Bhiobull.  Tha  e  dhaibh  'na 
sholus.  Tha  e  dhaibh  'na  lorg.  Tha  e  dhaibh 
'na  chlaidheamb.  Le  sailm  molaidh  iad  Dia  ann 
an  la  an  aoibhneis.  Le  geallaidhean  an  leabhair 
naoimh  neartaichidh  iad  an  cridhe  ann  an  la  na 
trioblaid.  Le  claidheamh  an  fhacail  cuiridh  iad 
ruaig  air  an  namhaid  ann  an  la  a'  bhuairidh. 
Gheibh  iad  comhairl'  is  misneach  is  comhfhurt- 
achd  ann  air  reir  am  feuma.  Tha  saoibhreas 
do  rannsaichte  anns  an  fhacal,  's  cho  bitheanta 
'sa  rannsaicheas  iad  e,  gheibh  iad  seudan  ur  is 
luachmhor  ann.  Mar  is  motha  tlachd  dhaoin' 
ann  am  facal  Dhe,  is  ann  a's  fhaide  tha  iad  air 
an  aghaidh  's  a'  bheatha  spioradail.  Do  na  daoin' 
aingidh  's  do  luchd  fanoid  tha  'm  Biobull  mar 
gu  'm  biodh  fearann  tana,  tioram,  creagach,  gun 
sugh,  ach  do  na  daoin'  a  bhlais  deagh  thiodhlac 
Dhe  tha  e  mar  gum  biodh  tir  a  ta  sruthadh  le 
mil'  is  bainne.  Tha  saoibhreas  ann  am  facal 
Dhe  a  dh'  aimseas  eadhoin  air  daoine  baoghalta 


22 


isluchd  siubhail,  ach  is  ann  dhaibhsan  a  thaisgeas 
'nan  cridhe  e,  's  a  bheachd-smuainicheas  air,  a 
la  agus  a  dh'  oidhche,  a  dh'  fhoillsicheas  an 
Spiorad  Naomh  an  lanachd  brigh  is  gloir  a  tha 
foluicht'  ann.  Clia  leugh  na  daoin'  aingidh  am 
Biobull  ged  is  iad  a's  motha  feum  air,  's  nuair  a 
leughar  'nan  eisdeachd  e  cha  toir  iad  aire.  Ach 
cha  'n  ann  mar  sin  a  tha  'n  creidraheach.  Tha 
'm  facal  'na  cheol  binn  d'a  chluais,  's  'na  Ion  d'a 
anam  agus  madainn  is  feasgar  ni  e  'n  uirnigh — 
Fosgail  a  Dhe  mo  shuilean  chum  gu  'm  faic  mi 
nithean  iongantach  'nad  lagh. 

Anns  an  treas  rann  tha  'n  Salmadair  a'  teagasg 
gu  bheil  beannachd  Dhe  a  leantuinn  nan  daoin' 
a  sheachnas  olc  's  a  ghradhaicheas  a  lagh.  Bidh 
iad  mar  chraoibh  suidhichte  ri  taobh  sruthaibh 
uisge,  a  bheir  a  mach  a  toradh  'na  h-aimsir  agus 
nach  caill  a  duilleach.  Cha  'n  e  mhain  gu  bheil 
am  firean  a'  giulan  toradh  na  fireantachd,  ach 
tha  bheatha  sgeadaichte  le  niaise  na  diadhaidh- 
eachd.  Cha  luidh  aois  air.  Tha  'oige  air  a 
h-athnuadhachadh.  Fanaidh  a  dhuilleach  gorm 
's  bidh  fas  is  cinneas  air  gus  a'  chrioch. 

Bidh  piseach  air  an  fhirein  ch6ir 

Mar  phailm-chrann  urar  glas, 

Mar  sheudar  ard  air  Lebanon 

A'  fas  gu  direach  bras. 

An  dream  tha  air  an  suidheachadh 

An  tigh  'san  aros  De, 

An  cuirtibh  greadhnach  ard  ar  Uia 

Sior  fhasaidh  iad  gach  re, 

'S  an  am  'sam  bi  iad  aosmhor  Hath 

Bheir  iad  mor  mheas  a  mach 

Is  bithidh  sultmhor  le  deagh  bhlath 

Dhiubh  sud  gach  uile  neach. 
Tha  an  t-Seann  Tiomnadh  a'  cur  an  tuilleadh 
cudthrom  air  a  cheangal  a  tha  eadar  fireantachd 
is  soirbheachadh  no  tha  an  Tiomnadh  Nuadh  a' 
deanamh,  ach  eadhoin  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
thatar  a'  foghlum  gu  bheil  an  diadhaidheachd 
tarbhach  chum  nan  uile  nithean,  's  gu  bheil 
gealladh  na  beatha  ta  lathair  aice  cho  cinnteach 
ri  gealladh  ta  ri  teachd.  Cha  'n  eirich  olc 
do  shluagh  an  Tighearn  oir  dionaidh  a 
chumhachd-san  iad  agus  leanaidh  a  mhaitheas 
iad.  Is  urrainn  iad  earbs'  a  bhi  aca  gu  bheil 
gliocas  is  gradh  Dhe  a  comh -oibreachadh  le 
cheile  air  an  son.  Cha  chtim  Dia  ni  maith  sam 
bith  uapasan  a  tha  gluasad  air  reir  a  lagha. 
'Nuair  a  tha  duine  a'  gluasad  ann  an  eagal  an 
Tighearna,  's  a'  deanamh  a  thoile,  's  ag  earbsadh 
as  le  'uile  chridhe,  faodaidh  e  inntinn  shocrach 
a  bhi  aige,  oir  tha  uile  chumhachdan  an  t-saogh- 
ail  ag  oibreachadh  air  a  thaobh.  Tha  na  reultan 
o'n  sligheannaibh  arda  a'  cogadh  as  a  leth. 

Ceart  mar  a  ta  na  beanntan  ard 
Timchioll  lerusaleim, 
Tha  Dia  mar  sin  a  nis  gu  sior 
Timchioll  a  phobuill  fein. 


Is  urrainn  am  firean  geallaidhean  a'  Bhiobuill  a 
thagar  agus  tha  na  geallaidhean  sin  dha  'nam 
beatha.  Tha  fios  aige  nach  treig  Dia  e,  's  air 
cho  dorcha  's  cho  duilich  's  gu  'm  bi  an  rathad 
tha  Fear  cuideachaidh  air  a  laimh  dheis.  Cha  'n 
ann  mar  sin  a  tha  'n  t-aingidh.  Tha'n  Salmadair 
'g.a  choimeas  ri  moll,  ni  a  tha  gun  sugh,  gun 
bheatha,  gun  chinneas,  's  gun  mhaise.  Sgapar  e 
leis  gach  gaoth  a  sheideas,  's  theid  e  as  an 
t-sealladh.  Air  chuimhne  gu  brath  bidh  am 
firean  ach  sgriosar  an  t-aingidh.  Tha  peanas  a' 
leantuinn  peacaidh  cho  cinnteach  's  a  tha  ghrian 
's  'na  neamhan.  Cha  ghabh  an  gnothuch  a  chur 
tuilleadh  'sa  choir  laidir.  Tha  gnuis  Dhe  an 
aghaidh  aingidheachd  is  luchd  deanamh  an  uile. 
Cha  mhagar  air  Dia,  's  cha  ghabh  eucoir  foluch 
o  shuilean.  Faodaidh  droch  dhaoine  's  luchd 
fanoid  iad  fhein  a  mhealladh  car  greis,  le  bhi 
toirt  orra  fhein  a  chreidsinn  gur  coma  le  Dia  co 
dhiu  a  ni  iad  olc  no  maith.  Faodaidh  iad 
socrachadh  air  an  deasgainibh  agus  sith,  sith  a 
radh  r'an  anam,  ach  tha  facal  Dhe  ag  radh — 
Chn  '«  'eil  sith  do'n  aingidh. 

Is  beannaichte  iadsan  a  dh'  eisdeas  facal  Dhe 
agus  a  ni  e,  a  ghradhaicheas  fireantachd  agus  a 
dh'  fhuathaicheas  peacadh.  Bidh  iad  anns  an 
t-saoghal  so  mar  chraobhan  suidhichte  ri  taobh 
an  uisge.  Sgaoilidh  iad  a  mach  an  geugan  's 
bidh  an  duilleach  gorm.  Bheir  iad  a  mach 
toradh  's  bidh  an  toradh  mills  do  bhlas.  'Nuair 
a  thig  am  bas  gu  sluagh  an  Tighearna,  cha  'n  'eil 
iad  mar  chrionaich  a  th'  air  a  gearradh  sios,  ach 
tha  iad  mar  chraobhan  6g  air  an  atharrachadh  o 
aon  aite  gu  ait'  eile — eadhoin  gu  garradh  raais- 
each  Dhe  far  am  faigh  iad  fasgadh  is  bias,  's  far 
an  cinn  iad  ni  's  guirme  's  ni 's  toraiche  ri  taobh 
abhainn  na  beatha  a  tha  sruthadh  o  chaithir  Dhe 
is  an  Uain. 


CUAIRT  A'  MHINISTEIR  GHALLDA. 


\Bha  so  air  a  sgriobhadh  leis  an  Ollamh  Tormoid 
Mac  Leoid  nach  maireann  ris  an  abairte 
'^  Caraid  nan  Gaidkeal."^ 

Thachair  dhomh  o  chionn  latha  no  dha  a  bhi 
coiseachd  dhachaidh  o  thurus  air  an  robh  mi, 
agus  smaointich  miath-ghoirid  a  ghabhail  thairis 
air  gualabeinne  a  thuggu  gleann  tiorail  mi,  anns 
an  robh  aireach  bhb  a  chomhnuidh.  Bha  meas 
mor  agam  air  mar  dhuine  glan,  ceanalta,  diadh- 
aidh.  Is  mi  a  ph5s  e  agus  a  bhaist  an  t-aon 
duine  cloinne  a  bh'  aige — leanabh  gille  a  bha 
nis  mu  bhliadhna  gu  leth  a  dh'  aois.  Chualami 
le  mor  ioniaguin  gu  'n  robh  an  leanaban  6g  so 
do  reir  coslais  dluth  do  'n  bhas.  Bha  mathair 
an  leinibh  'na  h-6g  mhnaoi  cho  tlachdmhor  's  a 
chiteadh  am  measg  sluaigh,  nighean  na  deagh 


i 


i 

i 


23 


charaid  a  chaochail  mar  mhios  da  cheile.  Bha 
so  'na  dheuchainn  a  luidh  tibm  oirre,  agus  o'n 
robh  i  faotainn  caileigin  de  dh'  fhaochadh  an 
uair  a  ghlac  linneas  a  paisde  lurach  fhein — 
magaran  leinibh  cho  aillidh  's  a  chunnaic  mi 
riamh. 

Mar  a  dhKithaich  mi  air  an  dorus,  thainig 
bana  -  choimhearsnach  choir  a  bha  cumail  cuid- 
eachd  ris  a'  mhnaoi  so,  fhad  'sa  bha  companach 
a  muigh  's  a'  bheinn,  a  mach  am  chbmhdail.  Bha 
nadeoira'ruith  sios  o'gruaidhean,  agusdh'fhaisg 
i  mo  lamh  le  mor  chaoimhneas.  "  Is  e  an  Ti  a's 
airde,"  deir  ise,  "  a  chuir  an  rathad  sibh.  Mo 
thruaighe  !  Seonaid  bhochd,  's  ann  aice  a  tha 
feum  air  'ur  faicinn." 

Thuig  mi  mar  a  bha  'chiiis.  C  uin,  a  deir 
mise,  a  chaochail  an  leanabh  ?  Dh'innis  i  dhomh 
gu  'n  d'  fhag  an  deo  e  o  chionn  leth  uair  a  dh' 
iiine.  Chaidh  mi  'stigh  agus  fhuair  mi  mathair 
an  leinibh  'na  suidhe  ri  taobh  na  leapa  as  an  d' 
eirich  i,  an  uair  a  chual  i  gu  'n  robh  mi  a' 
gabhail  a  dh'  ionnsuidh  an  tighe.  Bha  'n  corp 
beag  'san  leabaidh — rugha  fhathast  'na  ghruaidh 
mhaoith,  fiamh  a  ghair  air  aodann  blath,  a 
shuilean  duinte,  a  lamh  bheag  fhathast  an 
uachdar,  agus  e  uile  gu  leir  mar  gu  'm  biodh  e 
ann  an  suain  shamhaich,  ach  b'e  cadal  a'  bhais 
a  bh'  ann.  Shuidh  mi  ri  taobh  na  leapa,  chunnaic 
mi  gu  'n  robh  an  tend  oir  air  a  bhristeadh,  agus 
a'  chuach  oir  air  tuiteam  as  a  cheile.  Bha  suil 
a  mhathar  fhathast  air  an  leanabh,  agus  i 
'turamanaich  ann  an  trdra  bhrbn,  's  a  da  laimh 
paisgte  air  a  h-uchd. 

Tha  do  spairn-sa,  a  ghraidh,  seachad,  deir  ise, 
agus  carson  a  bhiodh  do  mhathair  a'  gearan. 
Tha  thus',  a  ri^iin,  aig  fois,  agus  carson  a  bhiodh 
mo  chridhe  truagh  mar  so  'an  impis  sgainidh. 

Thuit  a  deoir  gu  frasach,  agus  cha  b'e  'n  t-am 
am  bacail.  Is  sochair  so  a  bhuineas  do  Nadur, 
na  deoir  a  shileadh  fo  bhrdn,  agus  bu  chruaidh 
chridheach  an  neach  a  dh'  fheuchadh  ris  an 
t-sruth  so  a  chasg.  Is  furasd'  achmhasan  agus 
comhairle  mhaith  a  thoirt  seachad  do  luchd  a' 
bhrbin ;  ach  's  e  'n  cairdeas  a's  airde  anns  na 
h-amannan  deuchainneach  sin  ar  deoir  a  shileadh 
leo  an  samhchair,  agus  ceadachadh  do'n  chridhe 
Ian  fhaochadh  'fhaotainn  'na  chainnt  agus  'na 
osnaichean  fhein,  oir  da  rireadh 

Tha  solas  ann  an  iuireadh  le  sith 
'Nuair  a  dh'  aomas  cliahh  tuirse  gu  bron. 

Thionndaidh  an  duile  bhronach  so  rium  agus 
thuirt  i — Am  bheil  'ur  teaghlach  an  diugh  'nan 
slainte  ?  Ciamar  a  tha  'n  leanabh  a's  bige  ? 
Chuala  mi  gu  'n  robh  e  'gearan. 

Cliu  do  Dhia,  fhreagair  mi,  tha  iad  uile  'nan 
slainte,  agus  tha  'n  leanabh  beag  a'  dol  am 
feabhas. 

Is  maith  sin,  a  deir  ise,  cha  robh  ach  seachd- 
uinn  aois  eadar  e  fhein  's  mo  ghradh-sa  a  tha  'n 


so  'na  shineadh.  Thugaibh  maitheanas  dhomh 
's  thig  mi  gu  ciuineachd  ann  an  uine  ghoirid. 
Cha  'n  urrainn  domh  fhathast  a  bhi  samhach, 
ach  taing  do  'n  Ti  a's  airde,  tha  mi  striochdta  fo 
'laimh.  Ach  am  bheil  mo  leanabh  da  rireadh 
marbh  !  Am  fosgail  na  suilean  tlath  sin  ni  's 
mb  !  Is  minic,  a  ruin  mo  chridhe,  a  shuidh  mi 
mar  so  taobh  do  leapach,  a'  deanamh  faire  ort 
agus  thu  'nad  shuain,  agus  an  gaire  faoin  ag 
iadhadh  air  do  ghnuis.  Is  minic  a  thuirt  mi  'am 
chridhe  gbrach.  Bithidh  mo  leanabh-sa  fhathast 
'na  dhuine,  theid  e  mach  agus  thig  e  steach  'am 
lathair,  bithidh  sinn  a  seanachas  ri  cheile,  theid 
thu  leam  do  thigh  an  Tighearna,  agus  suidhidh 
tu  ri  m' thaobh.  O!  is  minic  a  thuirt  mi,  a 
chuilein  's  a  ghaoil,  bithidh  thu  fhathast  ad 
chul-taic  dhomhsa  agus  do  d'  athair  bochd,  a 
tha  nis  a'  siubhal  na  beinne,  a'  smaointeachadh 
gu  bheil  a  phaisde  beo,  's  gu'n  togair  e  'ga 
ionnsuidh  mar  bu  ghnath  leis  a  dheanamh ;  ach 
mo  chreach,  's  mo  leireadh  !  cha  togair.  Is  minic 
a  thuirt  mi,  seasaidh  tu  d' athair  agus  do  mhathair 
ann  an  la  na  deuchainn,  duinidh  tu  ar  suilean 
agus  theid  thu  fo  ar  cinn  do'n  chill,  ach  cha  bhi 
e  mar  sin.  Tha  mo  bhlath  boidheach  air  a 
ghearradh  sios  agus  thuit  mo  dhochas  maille  ris. 
Gu  dilinn,  a  riiin,  cha  streap  thusa  tuilleadh  suas 
ri  broilleach  do  mhathar,  cha  duisg  do  bhriagail 
bheag  fonn  mo  chridhe.  B'  uallach  mo  cheum 
'g  ad  ghiulan  ancoinneamh  d'athar  mu  fheasgar 
— b'  eutrom  mo  chridhe  'nuair  a  chithinn  e 
tighinn,  agus  do  ghairdeanan  beaga  sinte  'na 
chomhdail ;  ach  b'  i  sud  an  aisling  ghearr.  Am 
feadh  'sa  bha  'n  deo  's  a'  choluinn,  bha  m' 
uirnigh  shuas  air  a  shon,  dh'  amhairc  mi  chum 
nam  beanntan  siorruidh,  ach  cobhair  cha  d' 
thainig. 

Stad,  a  Sheonaid,  deir  mise,  na  iabhair  mar 
sin.  Am  bheil  thu  'smaointeachadh  nach  d' 
rainig  d'  uirnigh  cathair  nan  gras.  Gu  deimhin 
rainig — chuala  Dia  thu  agus  rainig  do  ghearan, 
cha  'n  e  mhain  cathair  ach  cridhe  an  Athar 
throcairich.  Agus  a  Sheonaid,  innseam  dhuit, 
fhreagair  Dia  d' uirnigh.  Ghuidh  thu  gu  deimhin 
gu  'm  biodh  do  leanabh  air  a  chaomhnadh,  ach 
thuirt  thu  's  an  am  cheudna,  na  b'i  mo  thoil-sa 
ach  do  thoil-sa  gu'n  robh  deanta.  Ghuidh  thu 
gu  'n  deanadh  e  mar  chitheadh  e  'na  ghliocas 
fein  iomchuidh  agus  rinn  e  sin  'na  dhoigh  agus 
'na  am  fein.  Cha  b'  ann  idir  an  diomhain  a  dh' 
amhairc  thu  chum  nam  beanntan  siorruidh.  Cha 
do  thionndaidh  creidmheach  riamh  a  shiiil  an 
rathad  sin  an  diomhain.  Cha  do  dhruid  Dia 
riamh  suas  a  throcair  chaomh  an  aghaidh  na 
dream  sin  aig  a  bheil  gradh  dha,  agus  a  chaoidh 
cha  druid,  oir  is  fuaire  na  sneachda  nan  sion 
gradh  mathar  d'a  leanabh  fein  ann  an  coimeas 
ris  a'  gradh  a  tha  aig  Dia  dhaibhsan  a  tha 'nam 
mic  's  'nan  nigheanan  dha. 


24 


O I  deir  Seonaid,  nach  robh  cridheachan 
againn  gu  so  a  thuigsinn  ann  an  la  na  deuchainn. 
Da  rireadh  thubhairt  mi,  A  thoilsan  gu  'n  robh 
deanta,  ach  O !  cha  'n  fhaod  mi  aiclieadii  nach 
b'i  durachd  m'  anma  gu  'm  biodh  mo  leanabh 
ailHdh  air  a  ehaomhnadh. 

Ciod  an  toil,  a  deir  mise,  a  bu  choir  a 
bhi  deanta  —  do  thoil-sa  a  thainig  a  dh' 
ionnsaidh  an  t-saoghail  o  chionn  latha  no  dha 
agus  ann  an  latha  no  dha  a  dh'  fheumas 
fhagail,  thusa  a  tha  dall,  aineolach  gun 
fhios  agad  ciod  a  ta  maith  dhuit  no  esan  a 
tha  o  shiorruidheachd  gu  siorruidheachd,  nach 
urrainn  ni  sam  bith  a  dheanamh  ach  na  tha 
maith  agus  na  tha  chum  maith;  agus  d'am  buin 
caoimhneas  agus  gradh,  iochd  agus  gliocas,  gun 
tomhas  agus  gun  chrioch. 

Gu  cinnteach,  fhreagair  ise,  tha  sin  fior,  ach 
b'e  mo  mhiann  gu  'n  robh  mo  leanabh  air  a 
ehaomhnadh. 

Tha  sin,  a  deir  mise,  ro  nadurra,  ach  thoir  so 
leat,  gu  'm  b'e  do  mhiann-sa  a  chumail  anns  an 
t-saoghal  bhochd,  bhuaireasach  so  far  am  bheil 
peacadh,  mulad,  is  bas.  Ma  dh'  fhaoidte  gu  'ra 
b'e  so  airde  d'  iarrtais  agus  suim  do  ghraidh  da 
thaobh :  ghradhaich  Dia  e  na  bu  mho,  cha  do 
chailleadh  idir  do  leanabh,  thug  e  fein  leis  e  do 
thir  an  aigh.  Fo  iarmailt  a  tha  ni  's  aillidh  na 
tha  OS  cionn  an  t-saoghail  thruaigh  so,  dh'  ath 
bheothaich  e  lochran  a  bheatha,  agus  tha  e  nis 
a'  soillseachadh  'na  reult  ard  nach  miichar  a 
chaoidh.  "A  leinibh  bhig,"  deir  mise,  "  thus'  a 
bha  o  chionn  ghoirid  a'  plosgadh  fo  iarguin  bais, 
tha  thu  nis  ad  aingeal  fa  chomhair  cathair  na 
gloire." 

Phaisg  mathair  an  leinibh  a  da  laimh,  dh' 
amhairc  i  suas  le  aiteas  ciuin,  striochdta,  ged  a 
bha  na  deoir  fhathast  a'  tuiteam  gu  frasach. 

"O  !"  a  deire  ise,  "ma  tha  e  mar  sin  ?"  Tha  e 
mar  sin,  fhreagair  mise,  oir  is  e  beul  na  firinn  a 
thubhairt,  (Tan  leithidibh  so  tha  rioghachd  nciinh. 
Esan  a  thog  na  leanabain  bheag  'na  uchd  agus  a 
bheannaich  iad,  'se  labhair  na  briathran  solasach 
sin  agus  's  i  chainnt  an  diugh  riutsa.  An  ni  so  a 
rinn  mi  cha  tuig  thu  an  trath  so  ach  tuigidh  tu 
e  'n  deigh  so.  Nam  biodh  an  leanabh  air  fhagail 
agadsa,  am  b'  urrainn  duit  a  radh  ris,  cha  ghuil 
thu  a  chaoidh,  thad'amhghair  gu  brath  seachad, 
agus  bron  no  mi-ghean  cha  'n  fhiosraich  thu  gu 
dilinn.  Am  b'  urrainn  duitsa  ni  sam  bith  a 
leigeadh  ris  dha  'san  t-saoghal  so,  cosmhuil  ri 
gloir  Dhe  agus  an  Uain?  So  uile  rinn  Dia  air 
a  shon  agus  am  bi  thusa  a'  caoidh  mar  neach 
gun  dochas. 

Feuchaidh  mi,  deir  ise,  ri  bhi  striochdta, 
cuidichidh  an  Comfhurtair  mor  mi.  O !  c'  ait' 
an  deachaidh  mo  chreidimh.  A'  cheud  uair 
anns  an  do  chaireadh  an  naoidhean  ann  am 
uchd,  agus  anns  an  do  dhuisg  mo  thaingealachd 


dhasan  a  thug  dhomh  leanabh  beo,  b'  e  mo 
ghuidhe  durachdach  gu  'm  biodh  e  'na  leanabh 
do  Dhia  agus  is  iomadh  uirnigh  de  'n  t-seorsa 
cheudna  sin  a  chuireadh  suas  o'n  am  sin  as  a 
leth ;  agus  as  am  bi  sinne  'gearan  gu  'n  do 
ghairmeadh  air  falbh  e.  Cha  do  gheall  Dia 
dhomh  aireamh  bhliadhnachan  dheth.  Bha 
gradh  agam  ort,  mo  leanabh  ;  bha  gradh  mor 
agam  ort,  ach  esan  a  bhuilich  orm  e,  ghairm  e 
nam  e,  Gu  ma  beannaichte  gu  robh  ainm  an 
Tighearna. 

Ghairm,  arsa  mise,  agus  tuigidh  tu  fhathast 
gur  h-ann  'an  caoimhneas  a  chaidh  sin  a  dhean- 
amh. Is  dbcha  gu  'n  do  shocruich  thu  do 
chridhe  ro  mhor  air  an  leanabh  so,  agus  bha 
fhios  aige-san  a  thug  uait  e  nach  biodh  tu  mar 
bu  choir  dhuit  gus  am  biodh  do  chridhe  gu 
h-iomlan  aige  fein. 

Agus  bithidh  mo  chridhe  aige,  deir  ise,  's  i  'g 
eirigh  agus  a  sgaoileadh  brat  eutrom  thairis  air 
aogas  an  leinibh.  Is  trie  a  smaointicheas  mi 
ort-sa  agus  air  an  duthaich  shona  gus  an  deach- 
aidh tu.  Agus,  O  !  an  e  nach  faod  mi  an  dochas 
ait  sin  arach,  gu  'm  bheil  thusa,  ailleagan  m' 
anma  dluth  dhomh  air  amannaibh,  ged  nach 
leir  dhomh  thu  le  m'  shuil.  Ma  tha  mo  leanabh 
'na  aingeal,  nach  luchd  frithealaidh  iad  uile  air 
oighreachan  a'  gheallaidh. 

Anns  a'  cheart  am  so  thainig  Ailean  coir  a 
stigh,  chual  e  mar  thachair.  "  Tha  gach  ni  gu 
maith,"  deir  esan  "  's  e  Dia  a  thug  so  mu  'n 
cuairt  "  Buidheachas  d'a  ainm  a  thug  dhuinn, 
'ainm  -  san  gu  robh  air  a  ghlorachadh  a  thug 
uainn. 

An  deigh  beagan  seanchais  a  bhi  agam  riu, 
agus  ar  n-uirnigh  a  chur  suas  le  cheile,  dhealaich 
mi  riutha.  Gu  'n  tugadh  Dia  gu  gach  neach  a 
leughas  an  sgeul  so  an  t-aigne  ceudna  'bhi  aca 
ann  an  la  na  deuchainn. 


LAOIDH    DHEALACHAIDH. 

'Thoir  dhomh  comhara  air  mhaith.' 


Dhia,  mu  'n  dhealaich  sinn  bi  tabhairt 
Dhuinn  gu  grasmhor,  graidh  gun  dith  ; 
Beannaich  d'  fhacal  'chaidh  a  labhairt ; 
Beatha  builich  oirnn,  is  sith ; 
'S  nuair  a  thilleas  sinn  do  'n  t-saogh'l, 
Biodh  ar  cr'idh'  ad  chomuinn  gaoil ; 

Thoir  dhuinn  stiuradh 

'S  dion  o  chiurradh, 
Gus  an  ruig  sinn  lanachd  mhdr 
Do  chuid  naomh,  gu  h-ard  an  G16ir.  Amen. 


1 
1 


4 


Air.  7. 


1909. 


FRADHARC    SPIORADAIL. 


Tamull  beag  agus  chdnfhaic  sibh  mi,  agus  a  ris, 
tamull  beag  agus  chi  sibh  mi. — Eoin  xvi.,  19. 

Tha  e  coltach  nach  do  thuig  na  deisciobuil  am 
facal  so  'nuair  a  chual  iad  e  an  toiseach.  Thuirt 
iad  ri  cheile,  Ciod  e  so  a  ta  e  'g  radh.  Ach  ged 
nach  do  thuig  iad  e,  cha  dh'  fheoraich  iad  do 
Chriosd  ciod  a  bha  e  ciallachadh.  Faodaidh  gu 
robh  iad  an  duil  gu'm  biodh  e  ro  dhana  dhaibh 
sin  a  dheanamh,  no  gu'n  robh  eagal  orra  gu'n 
cluinneadh  iad  rud  nach  cordadh  riu.  Beagan 
roimhe  so  thoisich  esan  air  innseadh  dhaibh 
nach  gabhadh  an  crann  ceusaidh  seachnadh,  's 
gu  feumadh  e  fulang  fo  lamhan  nan  sagairtean  's 
an  luchd  riaghlaidh.  B'e  sin  seanchas  a  bu 
lugha  air  na  deisciobuil,  oir  bha  'n  cridheachan 
an  ceangal  ris  cho  mor  's  nach  duraichdeadh  iad 
iomradh  a  chluinntinn  air  dealachadh,  agus 
faodaidh  gur  h-e  a  chum  samhach  aig  an  am  so 
iad — eagal  a  bhi  orra  gu  'n  toisicheadh  e  air 
labhairt  mu  'bhas. 

Ach  bu  leir  do  Chriosd  ciod  a  bha  'nan  cridhe, 
agus  thubhairt  e  riu,  am  bheil  sibh  a'  feoraich 
'nur  measg  fein  mar  a  thubhairt  mi,  Tamull  beag 
agus  chi  sibh  mi  ?  Ged  nach  do  chuir  e  solus 
air  an  dearbh  fhacal  a  bha  'na  chnap  starra 
dhaibh,  labhair  e  briathran  eile  a  thug  fois  d'  an 
inntinn. 

Am  bitheantas  tha  e  ni's  usa  dhuinne  nach 
faca  Criosd  riamh  's  nach  cual  a  ghuth  a  bhriath- 
ran  a  thuigsinn  no  bha  e  do  na  daoine  ris  an 
robh  iad  air  an  labhairt.  Tha  sinn  'nar  n-oigh- 
reachan  air  eolas  is  gliocas  nan  da  mhile  bliadhna 
a  chaidh  thairis  o  chualas  a  ghuth.  Is  urrainn 
sinn  sealltainn  air  ais  air  eachdraidh  a  bheatha 
mar  nach  b'urrainn  do  na  h-abstoil.  Fhuair 
sinne  'na  iomlanachd  am  foillseachadh  a  fhuair 
iadsan  uigh  ar  n-uigh  mar  b'  urrainn  iad  a 
ghiulan.  Cha  chuir  na  briathran  a  labhair  e 
mu  'bhas  eagal  oirnn  mar  chuir  iad  eagal  air 
Peadar,  oir  tha  fios  againn  ciod  a  tha  dol  a 
thachairt,  agus  tha  sinn  cinnteach  nach  gleidh 
an  uaigh  e,  's  gu'n  eirich  e  an  tri  laithean  le 
buaidh  is  beatha.  Tha  a  theagasg  'nar  lamhan 
gu  h-iomlan,  agus  is  urrainn  sinn  aon  fhacal  a 
choimeas  ri  facail  eile,  air  chor  's  gu  bheil  iom- 
adh  facal  a  bha  'na  radh  dorcha  do  na  h-abstoil 
soilleir  gu  leoir  'nuair  a  sheallas  sinn  orra  ann  an 
solus  na  codach  eile  de  theagasg  Chriosd,  agus  a 


reir  Spioraid  an  Tiomnaidh  Nuaidh.  A  thuill- 
eadh  air  sin,  fhuair  an  eaglais  tiodhlac  an 
Spioraid  Naoimh  mar  thoradh  obair  Chriosd  air 
thalamh,  agus  tha  an  Spiorad  'ga  treorachadh 
ceum  air  cheum  chum  gach  uile  fhirinn.  Tha 
solus  aig  creidmhich  an  latha  diugh  nach  robh 
aig  an  eaglais  ann  an  laithean  a  leanabachd, 
agus  tuigidh  iad  nithean  a  bha  gle  dhorcha  do 
na  h-abstoil  'nuair  a  labhair  Criosd  iad  riu  an 
toiseach. 

B'e  am  facal  tamull  beag  a  bha  'na  dhuileadas 
do  na  deisciobuil.  Cha  robh  fios  aca  ciod  a 
dheanamh  iad  dheth,  no  ciod  an  uine  a  bha  e 
ciallachadh.  Tamull  beag  agus  cha'n  fhaic  sibh 
mi,  agus  a  ris,  tamull  beag  agus  chi  sibh  mi. 
Bha  e  dhaibh  mar  gu'm  biodh  tomhseachan  nach 
b'  urrainn  dhaibh  fhuasgladh,  agus  mu  dheireadh 
thubhairt  iad — Cha  'n  'eil  sinne  a'  tuigsinn  ciod 
a  ta  e  'g  radh.  Tha  sinn  an  duil  gur  h-ann  's  na 
facail  faic  agus  chi  a  gheibhear  an  iuchair  a  dh' 
fhuasglas  an  tomhseachan,  's  nach  h-ann  'san 
fhacal  tamull  beag.  Faodar  an  smuain  a  labhair 
Criosd  aig  an  am  a  chur  anns  an  doigh  so — Sia 
seachduinnean  'na  dheigh  so  cha'n  fhaic  sibh  mi 
gu  corporra,  ach  sia  seachduinnean  'na  dheigh  so 
chi  sibh  mi  gu  spioradail.  Mar  gu'n  abradh  e 
riu,  Ged  tha  sibh  'g  am  fhaicinn  an  drasd 
le  suii  ur  cuirp,  tha  mo  ghloir  folaichte  oirbh. 
Cha  'n  fhaic  sibh  lanachd  mo  ghloire  gus  an 
caill  sibh  sealladh  orm  le  'ur  suilean  's  an  toisich 
sibh  air  mo  lathaireachd  fhaireachduinn  gu 
spioradail.  Bha  e  cur  'nan  cuimhne  gu'm  bu 
bhuannachd  dhaibh  esan  a  dh'  fhalbh,  oir  ged  a 
rachadh  e  as  an  t-sealladh  ann  an  aon  seadh, 
bhiodh  e  ni  bu  dluithe  dhaibh  ann  an  seadh 
eile.  Cha  robh  anns  an  t-sealladh  a  fhuair  iad 
air  ann  an  laithean  fheola  ach  earlais  de'n  ghloir, 
gheibheadh  iad  eolas  a  b'  airde  agus  sealladh  a 
bu  mhaisiche  an  deigh  dha  bhi  air  ardachadh. 

Ged  nach  faicear  Criosd  an  diugh  le  suil 
duine,  tha  e  comhnuidh  an  cridheachan  chreid- 
mheach,  agus  tha  a  lathaireachd  aithnichte 
dhaibh  le  ministreileachd  an  Spiorad.  Tha  iad 
cinnteach  gu  bheil  e  ann  an  daimh  cho  dliith 
dhaibh  'sa  bha  e  do'n  da  fhear  dheug  'nuair  a 
choisich  iad  maille  ris  air  raontan  Ghalile.  Air 
uairean,  bidh  sinn  a'  saoilsinn  gu'm  biodh  eolas 
a  b'  fhearr  againn  air  Criosd  nam  faca  sinn  e 
le'r  suilean  mar  a  chunnaic  Peadar  is  Eoin  is 
Tomas,  's  gu'm  biodh  e  ni  b'  usa  creidsinn  ann 
nan  robh  e  fhathast  'san  t-saoghal.     Ach  cha  b'e 


26 


sin  beachd  Phoil.  Is  e  thuirt  esan,  Ged  b'aithne 
dhuinn  Criosd  a  reir  na  feola,  gidheadli  a  nis 
cha  'n  aithne  dhuinn  e  ni's  mo.  Mar  gu'n 
abradh  e,  Tha  aithne  againn  air  ann  an  doigh 
a's  fhearr,  agus  tha  fianuis  an  taobh  a  stigh 
dhinn  gu  bheil  e  beo  's  gu  bheil  e  maille  rinn. 
Chunnaic  moran  dhaoine  Criosd  le  'n  suilean 
nach  do  chreid  gu'm  b'  esan  Mac  Dhe  is  Slan- 
uighear  an  t-saoghail. 

Ged  a  chunnaic  iad  e  le  suil  an  cuirp  bha  iad 
dall  gu  spioradail,  's  cha  'n  fhac  iad  a  ghloir. 
Chunnaic  iad  aghaidh,  is  chual  iad  a  ghuth,  ach 
'nuair  chaidh  e  as  an  t-sealladh  bha  e  dhaibh 
mar  neach  marbh.  Ach  tha  na  miltean  a'  faicinn 
Chriosd  an  diugh  anns  an  t  seadh  a's  airde  nach 
faca  riamh  aodann,  's  nach  cuala  fuaim  a  ghutha 
Tha  iad  cho  cinnteach  as  a  lathaireachd  's  a  tha 
iad  cinnteach  gu  bheil  anail  na  beatha  annta. 
Tha  Criosd  a'  comhnuidh  annta,  dochas  na 
gloire.  Tha  an  Spiorad  Naomh  a'  deanamh 
fianuis  maille  ri'n  spiorad  fein  's  cha  'n  urrainn 
dhaibh  teagamh  a  chur  anii.  Tha  'n  fhianuis  an 
taobh  a  stigh  dhiu,  's  cha  'n  iarr  iad  an  tuilleadh 
dearbhaidh.  Ged  nach  faca  iad  Criosd  le'n  suil 
tha  iad  a'  toirt  graidh  dha,  agus  ged  nach  'eil  iad 
a  nis  'ga  fhaicinn,  air  dhaibh  bhi  creidsinn  ann, 
tha  iad  a  deanamh  mor  ghairdeachas  le  h-aoibh- 
neas  air  dol  thar  labhairt.  Anns  an  t-seomar 
uachdrach  luidh  an  tabstol  Eoin  air  uchd  losa 
agus  saoilidh  sirn  nach  b'urrainn  creidmheach 
air  bith  faotainn  cho  dluth  do'n  Mhaighstir  's  a 
fhuair  Eoin  an  oidhche  ud.  Chunnaic  e  le 
shuilean,  agus  chual  e  le  chluasan,  agus  laimh- 
sich  e  le  lamhan  Facal  na  beatha.  Ach  ma 
leughas  sinn  na  leabhraichean  a  sgriobh  Eoin 
iomadh  bliadhn'  an  deigh  bas  Chriosd,  chi  sinn 
gu  robh  e  cho  cinnteach  a  lathaireachd  an  t- 
Slanuigheir  ann  am  Patmos  's  a  bha  e  ann  an 
Galile,  's  gu  robh  e  faireachduinn  gu'm  bu 
bhuannachd  dha  falbh  Chriosd  a  chionn  gu'n  d' 
thug  an  dealachadh  corporra  aithne  dha  air 
Criosd  ann  an  daimh  a  bu  dluithe  's  ann  am 
ministreileachd  a  bu  bhuadhmhoire  an  dh'fhios- 
raich  e  riamh  roimhe  sin. 

Fosgail  a  Dhe  /no  shitilean  chum  gu  faic  mi  do 
ghloir.  Tha'n  uirnigh  sin  freagarrach  do  na 
h-uile.  Tha  seorsa  seallaidh  a  dh'  fhaodas  a 
bhi  aig  daoine  air  Criosd  nach  toir  dhaibh  a 
bheatha  mhaireannach.  Chunnaic  sibh  mi, 
thuirt  e  fhein  uair-eigin,  ach  cha  do  chreid  sibh. 
Ann  an  duthaich  Chriosduidh  mar  tha  'n  duth- 
aich  so,  tha  mhor  chuideachd  eolach  air  a 
theagasg  o  laithean  an  oige.  Chual  iad  iomradh 
air  a  bhreith,  air  a  bheatha,  's  air  a  bhas,  leugh 
iad  cunntas  air  na  rinn  's  na  dh'  fhuiling  e,  air 
chor  's  gu  bheil,  iad  ann  an  aon  seadh,  cho  eolach 
air  's  a  tha  iad  air  duine  sam  bith  a's  aithne 
dhaibh  's  an  fheoil.  Ach  ged  a  tha  'n  t-eolas  so 
aca  cha  'n  aithne  dhaibh  e  anns  an  doigh  a  bha 
Pol  a'  ciallachadh  'n  uair  a  thubhairt  e — A  ta  mi 


beo,  ach  cha  mhise,  ach  Criosd  a  ta  beo  annam, 
agus  a'  bheatha  a  ta  mi  nis  a  caitheadh  's  an 
fheoil,  ta  mi  'ga  caitheadh  tre  chreidimh  Mhic 
Dhe.  Chual  iad  le'n  cluais,  ach  cha  do  chreid 
iad  le'n  cridhe,  's  cha  'n  fhac  iad  fhathast  an 
Righ  'na  mhaise.  Cha  do  bhlais  iad  air  an  son 
fhein  maitheas  agus  trocair  Dhe.  Is  e  na  daoine 
a  ta  faotainn  sealladh  fior  air  Criosd,  iadsan  a 
chual  a  ghuth  a  labhairt  riu  gu  pearsonta,  Imich 
ann  an  sith  tha  do  pheacadh  air  a  mhaitheadh 
dhuit.  Tha  Criosd  a  tigh'nn  'g  ar-n  ionnsuidh 
mar  neach  a's  urrainn  saors'  is  sith  is  neart  a 
thoirt  dhaibhsan  a  tha  fo  throm  uallach  a  pheac- 
aidh,  agus  gus  an  creid  sinn  gu'n  d'  thug  Dia  an 
t-ughdarras  sin  dha,  cha  'n  fhaigh  sinn  gu  brath 
an  sealladh  sin  air  a  fhuair  na  h-abstoil  's  na 
naoimh  eile.  An  ti  a  chi  am  Mac  agus  a  chreid- 
eas  ann,  tha  bheatha  mhaireannach  aige.  An  ni 
a  tha  'n  t-suil  do'n  chorp  tha  creidimh  do'n 
anam.  Far  a  bheil  creidimh  beo,  bidh  sealladh, 
air  gloir  Chriosd. 

losa,  'se  smuaineach  ort  gun  tamh 

A  chuireas  blaths  am  chridh'; 

Ach  's  fhearr  bhi  faicinn  d'aghaidh  ghraidh 

'S  ad  lath'r  a'  mealtainn  sith'. 
Is  beannaichie  iadsan  a  thoisicheas  air  esan 
fhaicinn  a  bhos.  Thig  iad  air  an  aghaidh  ann 
an  eolas  's  an  tuigse  spioradail,  gus  mu  dheir- 
eadh  am  bi  aithn'  aca  air  mar  a  ta  aithne  aige 
orra.  Cha  toir  am  bas  uapa  am  fradharc  ach 
bheir  e  as  an  rathad  an  sgail  a  tha  eadar  iad  agus 
lanachd  gloir  Chriosd.  Chi  iad  e  mar  a  ta  e 
ann  an  iomlanachd  a  mhaise.  "  Ni  a  sheirbhisich 
seirbhis  dha  agus  chi  iad  aghaidh." 


BROCHAN-BUIRN. 


(Bha  so  air  a  chur  thugainn  le  bean  a  mhuinntir  Earra- 
ghaidheal,  Mrs.  K.  W.Grant.  Tha  sinn  'ga  thoirt 
d'  ar  luchd  leughaidh  mar  a  thainig  e  o  'l^imh). 


Tha  e  air  a  radh  gur  iad  na  h-Albannaich,  na 
h-Eadailtich,  agus  na  Roumanaich,  na  tri  cinnich 
'san  Roinn-Eorpa  a  tha  tighinn  beo  air  brochan, 
'se  sin  ri  radh,  tha  e  aca  mar  Ion  lathail,  agus  'an 
cuid  mhor  'an  aite  arain. 

Ach  tha  dream  eile,  thall  's  a  bhos  air  feadh 
nan  rioghachdan,  aig  am  bheil  brochan  a  dh'aon 
seorsa  no  seors'  eile,  aig  gach  trath ;  agus  aig 
nach  'eil  builionn  a  dh'  aran  cruithneachd  air  a 
bhdrd  latha  sam  bith  eadar  da  cheann  na  bliadh- 
na.  'S  iad  sin : — Sluagh  Ober-steier-marc,  dlilth 
air  Bhienna,  ceann-bhaile  na  h-Austria,  pobull 
Charintia,  agus  luchd-aiteachaidh  na  Tirol  'an 
iomadh  cearn. 

Tha  muinntir  Ober-steier-marc  a'  bhleith  nan 
cnothan-faibbil  (beech    nuts)  agus  a'   deanamh 


27 


brochain  de'n  mhin,  agus'ga  ghabhail,  le  bainne 
plumaichte,  an  da  chuid  moch  is  anmoch.  Aig 
meadhon-latha  tha  iad  'g  a  ghabhail  le  brot,  no 
feoil.     'Se  sterts  a  their  iad  ris. 

Tha  brochan  's  an  Eadailt  air  a  dheanamh  de 
mhin  Innseanich.     'S  &  polenta  their  iad  ris. 

Thachair  e  gu  'n  d'  thug  mo  gbnothach  mi,  o 
chionn  aireamh  bhliadhnachan,  do  na  diith- 
channa  sin,  'an  ear-dheas  na  Roinn-E6rpa,  agus 
bha  toil  agam  am  brochan  aca  a  bhlasad.  Dh' 
iarr  mi  a  thoirt  domh  air  an  d6igh  abhaisteach. 
An  aite  fhaighinn  's  a  mhaduinn,  le  bainne,  mar 
a  bha  fiughair  agam,  b'  ann  aig  am  dinneir,  leis  an 
fhebil  a  chuireadh  air  a  bhdrd  am  polenta.  Cha 
robh  e  cho  tais  ri  brochan  min  choirce,  mar  is 
abhaist  duinn  fhaighinn.  Bha  e  air  a  thionndadh 
a  mach  air  trmnseir,  as  an  t-soitheach  's  an  robh 
e'n  toiseach,  agus  b'ann  leis  an  sgithinn  a  ghearr 
mi  bloigh  dheth.  Chord  e  rium  mar  nach  b'  olc. 
Tha  mi  'creidsinn  gu  'm  fasainn  toigheach  air  ri 
{line.  Goirid  'na  dheigh  sin  chunnaic  mi  luchd- 
diithcha  Roumania  a'  suidhe  sios  gu  'm  biadh. 
Bha  mu  dha-fhichead  a  dh'  6igridh  as  na  criochan 
beanntach  air  tfearnadh  do  'n  chomhnard  gus  na 
fion-dhearcan  a  thrusadh.  Cha  robh  iad  a' 
faotainn  ach  da  thrkth  's  an  latha,  a  cheud  tr^th 
aig  da-uairdheug,  agus  an  dara  trath  aig  sea 
uairean,  an  deigh  sgur  d'  an  obair.  B'i  bean  fear- 
gleidheadh  an  fhion-lios  a  dh'  ullaich  am  biadh, 
agus  a  sgaoil  an  da  bh5rd  taobh  a  mach  an  tighe. 
B'iad  an  da  bh6rd,  le  deich  de'n  luchd-trusaidh 
air  gach  taobh,  da  leth  de  stoc  fhada  ghiubhais, 
a  bh'  air  a  sgoltadh  o  cheann  gu  ceann.  Bha  iad 
air  an  leagadh  air  an  lar,  leis  an  taobh  mhin  an 
uachdar.  Mar  sin  cha  robh  feum  air  cathraichean. 
Aig  an  da  thrath  bha  fe6il,  cal,  no  tuirneap 
bhruich,  agus  trinnsear  brot  an  t-aon,  air  an  cur 
sios;  le  deagh  sgonn  mamallga,  an  ait'  arain, 
laimh  ris  gach  trinnsear,  do  'n  luchd-oibre. 

B'  ann  de  mhin-Innseanach,  air  a  bleith  na  bu 
ghairbhe  no  's  an  Eadailt,  a  bha  'm  brochan  sin 
air  a  dheanainh.  'S  e  coirce-turcach  a  theirear 
ris  a  choirc- Innseanach,  air  tlr-mor  na  Roinn 
Ebrpa.  Bha  'm  brochan,  a  reir  coltais  a'  cbrdadh 
ris  a  mhuinntir  6ga  sin,  oir  cha  robh  mir  air 
fhagail  deth  ;  bha  iad  laidir,  fallan,  sunndach  aig 
an  obair,  agus  aighearach,  ceblmhor  an  d^igh 
sgur. 

Ach  's  e  'm  brochan  Albannach,  brochan  na 
min-choirce,  d'  am  bheil  an  cliu  air  sgaoileadh 
gu  iomall  an  domhain.  Tha  mbran  de  na 
Sasunnaich  air  tionndadh  ris.  Gheibhear  e  mai 
cheud  biadh-maidne  air  na  bataichean  briagh' 
againn,  a  tha  ruith  do  gach  port  air  an  t-saoghal. 

Tha  min-choirce  Dhuneidinn  agus  lonar-air 
a'dol  adh'  Africa  mu  Dheas,  a  chumail  brochain 
ris  na  h-Albannaich  a  tha  'n  sin.  Tha  e  air  a 
chur  'am  bocsaichean  a  dh'  iarann-geal  a  chumas 
mu  thuaiream  clach  mhine. 


Tha  muinntir  Australia  a  faighinn  na  min- 
choirce  a  taobh  deas  New  Zealand.  Tha  iad  'ga 
measgadh  le  min-chruithneachd,  tha  leb  gu  'm 
bheil  i  ro  laidir,  teth  air  son  na  fala,  leatha  f hein. 
Tha  iad  a'  gabhail  a  bhrochain  le  siucair  air,  cho 
math  ri  bainne. 

Bha  linn  ann,  ach  tha  i  air  dol  thairis,  anns 
an  do  thogadh  na  h-Albannaich,  'an  cuid  mhbr, 
air  a'  bhrochan  Tha  'n  sean-fhacal  fathast  air 
aithris  's  an  Taobh-tuath, — 

Lit' is  lagan  biadh  duine  laidir; 
Aran  is  caise  biadh  duine  lag : — 

Bha  sin  a'  ciallachadh  gu  'n  cumadh  brochan, 
no  cabhruich,  le  bainne,  beatha  gu  fallain  ann- 
an  duine ;  b'e  ailghios,  no  laigse,  a  bheireadb 
air  duine  biadh  eile  a'  mhiannachadh ;  cha 
sireadh  e  eadhon  aran  no  caise,  nithe  nach  dean 
daoine  as  eugmhais  's  na  laithean  againne. 

B'  e  brochan  anns  an  seasadh  an  spain  a 
bhiodh  aca  's  an  am  sin  ;  brochan,  mar  a  gheall 
an  tuathanach  do  'n  sgalaig  an  uair  a  chuir  e 
muinntearas  air  "  brochan  nach  toireadh  an  lair 
ghlas  a  casan  as." 

Ach  bha  tuilleadh  no  aon  sebrsa  brochain 
againn  's  a  Ghaidhealtachd.  Cha  b'e  brochan 
buirn  a  bh'  againn  daonnan.  Tuigear  sin  air  a 
chrbnan  aig  a'  bhanaltruim  a'  cur  an  leinibh  a 
chadal : — 

Brochan  biiirn,  brochan  buirn, 
Brochan  biiirn  gheibh  mo  leanabh ; 
'Nuair  a  bheireas  an  crodh-laoigh 
Gheibh  mo  ghaol  brochan-bainne  : — 

Tha  cuimhn'  agam  air  a  bharail  ard  a  ghabh 
fear-oibre  araidh  air  fialaidheachd  mo  mhathar. 
a  chionn  gu  'n  d'  thug  i  dha  "  brochan  bainne, 
agus  baimie  lets  1"  Cha  d'fhuair  e  'leithid  riamh 
roimhe. 

An  uair  a  dh'iarr  ar  sean  Bh^'righinn  ghaolach 
nach  maireann  brochan  fheuchainn,  a  cheud 
uair  a  thainig  i  do  'n  Ghaidhealtachd,  dhiult  i 
uachdar  a  ghabhail  leis  :  "  Cha  'n  'eil  feum  aig 
air,"  ars'  ise,  "  tha  e  math  gu  lebir  as  eugmhais." 
Cha  b'  ionnan  's  iadsan  nach  urrainn  a  ghabhail 
gun  siucar  cho  math  ri  bainne. 

B'e  brochan-meig  'a  bu  docha  leamsa,  gu 
sonruichte  na  'm  biodh  car  beag  's  a  mheag.  An 
uair  a  bha  sinn  'n  ar  cloinn,  bhiodh  e  againn  a 
h-uile  feasgar,  fhad  'sa  bha'n  caise  'ga  dheanamh. 
'Nuair  a  thachradh  mule  de  'n  ghrudh  oirnn  's  a 
bhrochan,  bheireamaid  glaodh  toileachaidh,  agus 
nochdamaid  e  d'a  ch^ile. 

B'e  dubh-brochan  a  rachadh  a  thoirt  duinn 
na  'm  biodh  fuachd  againn.  'S  e  sin,  deoch 
tana,  air  a  bhruich  gun  a  mhin-choirce  a  fhliuch- 
eadh  roimh-laimh  le  bainne. 

Tha  brochan  air  a  dheanamh  cor  -  uair  le 
bainne-goirt ;  aon  chuid  gu  cail  duine  'thoirt  air 
ais  ;  no  gu  muineal  goirt  a  ghlanadh  's  a  leigheas. 


28 


Bha  aon  seors'  eile  ann  de  bhrochan  na  min- 
■choirce,  b'e  sin  am  brochan  a  bh'air  a  dheanamh 
de  mhin  a  bh'  air  a  bleith  's  a  bhrath.  Bha  e  air 
leth  mills,  cubhraidh. 

Bha  'n  siol  air  a  chruadhachadh  ann  am  poit, 
OS  ceann  an  teinidh.  Bha  e'n  sin  air  a  shuathadh, 
a  thoirt  na  cath  dheth,  agus  air  a  bhleith  leis  an 
laimh  's  a'  bhrath.  B'  iad  na  mnathan,  am 
bitheantas,  a'  bhleith  e 

Theirte,  brochan-brathan,  ris  'an  Earaghaidheal; 
am  feadh  a  theirte,  brochan-uaraidh  ris  's  an 
Taobh-tiiath.  'S  e  brochan-tioraidh  a  bh'  anns 
a'  bhrochan  a  rinneadh  de  mhin  choirce  an  uair 
a  bha  'n  siol  air  a  thioradh  's  an  ath,  agus  a  mhin 
air  a  bleith  's  a  mhuiUionn — 

"  Brochan-tioraidh  ;  brochan-tioraidh  ; 

Brochan-tioraidh  do  mhac-m6r  ! 

Gu  'm  bu  laidir ;  gu  'm  bu  laidir  ; — 

Lan  a  mhaileid  do  mhac-mbr  ! 
Tha  'n  tea,  aran  cruithneachd,  rudan  milis,  agus 
annasan  a  tirean  cein,  air  caochladh  mor  a  thoirt 
mu  'n  cuairt  do  thaobh  Ion  lathail  sluagh  na 
h-Alba.  Ach  tha  'n  ddchas  ri  altrum,  nach  bi 
sinn  gu  brath  air  cho  beag  c^ill  gu  'n  cuir  sinn 
cul  ri  biadh  glan,  fallain,  neartmhor  ar  duthaich; 
biadh  nadurra  ar  tir ;  's  e  sin  Brochan-biiirn  na 
min-choirce. 

K.  W.  G. 


AN    CAOGAD. 
{Bha  so  ah-  a  chur  thugaifin  le  "Fionn."' 


Cha  'n  'eil  da  leabhar  Gaidhlig  ann  air  an  eol- 
aiche  na  Gaidheil  na  am  BiobuU  agus  an  Leabhar 
Shalm  agus  an  deigh  so  uile  na'n  rachadh  a' 
cheisd  fhe6raich — "C'iamar  a  fhuair  sinn  an  da 
leabhar  sin  ?"  is  e  mo  bheachd  nach  bitheadh  an 
fhreagairt  ach  gu  math  cearbach.  Theireadh  a 
mhbr  chuid  gu  'n  d'fhuair  sinn  am  BiobuU 
Gaidhlig  o  lamhan  an  Olladh  Urramaich  Iain 
Stiubhart  a  bha  'n  Lus,  agus  gur  e  an  t-Ollamh 
Urramach  Iain  Smith  a  bha'n  Ceannloch-Chille- 
Ciarain  a  dh'  eadar-theangaich  na  Sailm  gu 
Gaidhlig. 

Feuchaidh  sinn  ri  beagan  mineachaidh  a 
thoirt  air  a  chuis  so.  I-eis  gur  e'n  Leabhar 
Shalm  a  fhuair  sinn  an  Gaidhlig  an  toiseach 
bheir  sinn  cunntas  aighearr  air  a  liuthad  eadar- 
theangachadh  'sa  chaidh  a  chur  an  lamhan  an 
t-sluaigh.  Faodaidh  sinn  a  radh  gu  'n  deach- 
aidh  na  Sailm  eadar-theangachadh  cbig  no  sfe 
dh'  uairean. 

Ged  IS  e  an  t-Urramach  R.  Kirk  a  bha  na 
Mhinistear  aig  aon  am  ann  am  Bochuidir,  agus 
'na  dh^igh  sin  aig  Abarphuill,  a  rinn  a  cheud 
eadar-theangachadh  Gaidhlig  air  na  Sailm  gu  h- 
iomlan,  is  e  Seanadh  Earraghaidheal  a  thug  a 
cheud    oidheirp  air  na  Sailm  a  thoirt   do    na 


Gaidheil  'nan  canain  fhein  ann  an  rian  bardachd. 
Bha  so  anns  a'  bhliadhna  1659,  ach  sfe  bliadhna 
roimhe  sin  chaidh  buidhean  a  chur  air  leth  air  son 
a'  ghnothaich  so.  Cha  deach  aca  ach  leth-cheud 
Salm  a  chur  an  rian  fonnar  bhardail  agus  chaidh 
iad  so  a  chl6-bhualadh  fo'n  ainm  "An  Caogad"' 
— a'  ciallachadh  leth-cheud.  So  agaibh  leth- 
bhreac  clar  an  leabhair — 

■'  An  Ceud  Chaogad  do  Shalmaibh 
Dhaibhidh, 

Ar  a  dtarring  as  an  Eabhra,  a  Meadar  Dhana 
Gaidhilg  :  Le  Seanadh  Earraghaoidheal.  Neoch 
a  dorduigh  an  seinn  a  Neaglaisibh,  agus  a 
Dteaghlichaibh,  a  ghnathuigheas  an  canamhain 
sin  is  na  criochaibh  ceudna,  Col.  iii.,  16.  Biodh 
facal  Chriosd  na  chomhnuidhe  iomuibh  gu  saidh- 
bhir  's  a  nuile  ghliocas  ar  dteagasg,  agus  ar 
munadh  dhaoibh  a  cheile  a  Shalmaibh  agus  a 
bhfonnaibh  molte  De,  agus  a  geanticibh  spiorad- 
alta  ag  deanamh  ciuil  don  Tighearna  le  gras  ann 
bhur  gcriodheadhaibh.  Do  chuireadh  so  a  gclo 
a  Nglasgo,  le  Aindra  Ainderson  n'  Mbliadh- 
anna  ar  Dtighearna,  1659. ' 

Ann  an  earail  "Do  chum  an  Leghthora"  tha 
an  t-Seanadh  a  mineachadh  mar  tha  na  Sailm  ri 
bhi  air  an  seinn  ann  an  seirbheis  an  Tighearna. 
Tha  iad  ag  aideachadh  gu'n  robh  an  obair  duil- 
ich,  agus  leis  gu 'm  b'e  so  a  cheud  oidheirp  air 
na  Sailm  a  chur  anns  an  rian  so  gu  bheil  fhios 
aca  nach  'eil  i  saor  o  mhearachdan.  Tha  an 
Earail  a  criochanachadh  mar  so  —  "Anois,  a 
Leghthora,  deunse  ditcheall  ann  san  obair  bhigse 
bhuilinghadh  gu  maith,  agus  guidh  air  an  Tigh- 
earna e  fein  do  bheannughadh  an  tshoisgeil  anns 
na  tirthaibh  gaoidhlaschsa,  agus  lasair  sholleir 
lan  teasa  do  dheanamh  don  tsraid  bhig  do  lasadh 
cheana  ionta.     Gras  maille  riot." 

So  mata  a'  Cheud  Salm  mar  agheibheir  ianns 
"  A'  Chaogad,"  agus  chi  ar  luchd  leughaidh  gu 
bheil  an  dbigh  air  a  bheil  i  air  a  clo-bhualadh 
eadar  -  dhealaichte  o  'n  doigh  anns  a  bheil 
Gaidhlig  na  h-Alba  air  a  clo-bhualadh  a  nis. 

Salm  I. 

Beannaigh  an  duine  sin  nach  gluais  a  ngcomh- 

airl'  dhaoine  daoi, 
An  'slighe  fhiar  na  mpeacach  bao  na  sheasamh 

fos  nach  bi. 
A  ngcathair  fanoid  luchd  an  spors'  nach  togair 

suidh  gu  brath, 

2  Achd  gabhail    toil   do   naomhreachd    De    ga 

smuaintiug  adh  oidhch,  is  la. 

3  Mar  chraoibh   is   amhlaidh   beithann  se  gcois 

aibhne  fks  ata. 
Do  bheir  na  haimsir  toradh  trom,  gun  duille 

chall  no  bliUh. 
Is  soirbhidh  leis  gach  ni  do  ndean, 

4  ni  hamhluidh  sin  ata 

Na  daoine  peacach  achd  mar  mholl,  dol  leis  a 
ghaoi,  no  cha. 

FlONN. 


i 


I 


I 


1^ 

I 


M 


Air,     8. 


1909. 


AN     DEARBHADH. 


Thuirt  na   Greugaich,  Bu  mhiann  leinn  losa  fhaicinn. 
— Eoin  xii.  21. 

Thuirt  losa,  A  nis  iha  ?;;'  aiiam  fo  amhghar,  agus  ciod 
a  their  mi. — Boin  xii.  27. 


Ged  is  ann  gu  sluagh  Israel  a  thainig  Criosd  an 
toiseach,  rainig  fuaim  a  theachd  na  Cinnich  mar 
an  ceudna  Thainig  iad  'ga  fhaicinn  'nuair  a  bha 
e  'na  leanabh  anns  a'  chreathaill,  agus  bha  cuid 
dhiu  maille  ris  'nuair  a  thilg  e  'n  deo  air  a' 
chrann-ceusaidh.  Aig  uair  a  theachd  thainig 
Cinnich  eagnaidh  o  iomall  an  domhain  le  tabh- 
artas  luachmhor,  a'  coimhlionadh  an  fhacail  a 
bha  sgriobhta — "Thig  cinnich  a  dh' ionnsuidh 
do  sholuis  agus  righrean  a  dh'  ionnsuidh  do 
ghrian-eirigh."  Agus  a  nis  'nuair  a  bha  feasgar 
a  bheath'  a'  ciaradh,  's  an  t-ara  a'  tarruing  dliith 
anns  am  biodh  e  air  a  thogail  suas  o'n  talamh, 
thainig  Greugaich  'ga  ionnsuidh  le  tabhartas  a 
bu  luachmhoire  no  or  is  tuis  is  mirr.  Ann  an 
teachd  nan  Cinneach  chitear  a'  cheud  chomh- 
aradh  gu'n  tig  an  latha  fhathast  anns  am  bi 
ughdarras  Chriosd  air  aideachadh,  cha  'n  ann  le 
aon  treubh  no  le  aon  duthaich,  ach  le  uile  shluagh 
an  t-saoghail.  "Mise,  ma  thogar  suas  o'n  talamh 
mi,tairngidh  mi  na  h-uile  dhaoine  am  ionnsuidh." 
Co  iad  na  Greugaich  so,  no  ciod  an  gnothuch 
a  thug  gu  Criosd  iad,  cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh. 
Tha  fear  de  na  h-athraichean  a  bha  'na  dheagh 
sheanachaidh  ag  innseadh  dhuinn  gu  'm  bu 
theachdairean  iad  o  Abgarus  a  bha  'na  Righ  ann 
an  Edessa.  Bha  an  righ  tinn,  's  chuir  e  fios  air 
losa  feuch  an  leighseadh  se  e.  Ma  's  fior  an 
seanachaidh,  b'e  so  an  litir. 

"  Tha  Abgarus,  Prionns'  Edessa,  a'  cur  failt  air 
losa,  an  Slanuighear  caomh  a  tha  comhnuidh  an 
criochaibh  lerusaleim.  Tha  e  air  a  radh  gu  bheil 
thu  toirt  am  fradhairc  do  na  doill,  is  comas  nan  cas 
do  na  bacaich,  a'  glanadh  nan  lobhar,  's  a'tilgeadh 
a  mach  spiorada  neoghlan,  a'  togail  dhaoin'  o  na 
marbhaibh  's  a  toirt  slamte  dhaibhsan  a  bha  euslan. 
'Nuair  a  chuala  mi  iomradh  air  na  nithean  so,  thuirt 
mirium  fhein,  An  darna  cuid,  is  tu  Dia  a  thainig  a 
nuas  o  neamh  's  a  ta  deanamh  na  nithean  so,  no  is 
tu  Mac  Ohe.  Air  an  aobhar  sin  tha  mi  a'  guidh' 
ort  tigh'.nn  thugam  feuch  an  leighis  thu  mo  ghalair. 
Chuala  mi  gu  bheil  na  h-Iudhaich  air  tionndadh  ad 
aghaidh,  "s  gu  bheil  iad  air  son  cur  as  duit.  Gabh 
comhnuidh  maille  riumsa,  oir  ged  nach  'eil  mo 
bhaile  mor,  tha  e  aluinn,  agus  is  leor  e  dhuinn  le 
cheile." 

Tha  an  seanachaidh  ag  radh  gur  he  am  fios- 
freagairt  a  chuir  losa  gu  Abgarus,  gu  'm  feumadh 


e  fantuinn  an  lerusalem  gus  an  criochnaicheadh 
a  an  obair  a  thug.  Athair  dha  ri  dheanamh,  ach 
an  deigh  dha  eirigh  o  na  marbhaibh,  gu  'n 
cuireadh  e  fear  de  na  h-abstoil  a  thoirt  slainte 
do  'n  righ  's  d'a  shluagh. 

Ach  a  reir  cunntas  eile  a  fhuaras  o  na 
h-athraichean,  cha  b'  ann  bho  righ  no  cuirt  righ 
a  thainig  na  Greugaich  ud.  Thainig  iad  'nan 
deoin  fhein,  chum  los'  a  shaoradh  o  lamhan  a 
naimhdean.  Chual  iad  iomradh  air  a  theagasg, 
air  a  ghliocas,  air  a  chiune,  air  a  bheatha  naomh  ; 
agus  ged  nach  robh  annt'  ach  coimhich  do 
chomh  -  fhlaitheachd  Israel  agus  coigrich  do 
choimhcheanglaibh  a'  gheallaidh,  bha  an  coguis 
•  a'  toirt  urraim  do  dhiadhaidheachd  losa,  agus 
cha  bu  mhaith  leo  gu'n  deanteadh  eucoir  air,  nan 
gabhadh  sin  seachnadh.  Bha  meas  aca  air  firinn 
is  ceartas  is  maitheas,  agus  is  e  sin  a  thug  orra 
dol  eadar  Criosd  's  a  luchd  duthcha  fein.  Chual 
iad  gu  robh  na  h  ludhaich  ag  iarraidh  a  chur  gu 
bas,  's  gu  robh  e  coltach  nach  b'  fhada  gus  am 
faigheadh  iad  run  an  cridhe,  mur  deanteadh 
dealbh  air  chor-eigin  air  a  shaoradh  o  lamhan. 
Chuir  na  Greugaich  romhpa  dol  'ga  ionnsuidh  's 
a  chunnart  innseadh  dha.  Dh' iarr  iad  air 
lerusalem  fhagail,  's  dol  comhla  riusan  d'an 
duthaich  fein,  far  am  faigheadh  e  cairdeas  is 
aoidheachd  nach  d'  thug  a  dhaoine  fhein  dha. 
Thuirt  iad  ris  nach  ruigeadh  e  leas  a  bheath'  a 
thilgeadh  air  falbh,  oir  gu'n  tugadh  iadsan  fasgadh 
dha 'nam  bailtean,  ged  a  chuireadh  na  hTudhaich 
cul  ris.     Fhreagair  losa  : — 

A  nis  tha  in  anam  fo  amhghar,  agus  ciod  a 
their  mi  ?  An  abair  mi,  Athair,  saor  mi  o'n 
uair  so.  Cha  '«  abair,  oir  is  ann  air  a  shon  so 
a  thainig  mi  chum  na  h-uaire  so.  Athair, 
gloraich  f  atnm. 

I.  Ged  a  bha  na  Greugaich  a'  ciallachadh 
caoimhneas  a  nochdadh  do  losa,  chuir  iad 
buaireadh  'na  rathad.  Cha  robh  olc  'nam 
beachd,  ach  is  maith  do  'n  t-saoghal  nach  do 
ghabh  e  an  comhairle.  Anns  an  fhasach  corr  is 
da  bhliadhna  roimhe  so  dhiult  e  eisdeachd  ri 
cuilbheartan  Shatain,  agus  rinn  e  suas  inntinn 
nach  b'  urrainn  e  an  saoghal  a  thearnadh  nan 
tearnadh  se  e  fein.  Fad  laithean  a  mhinistreil- 
eachd  bha  guth  an  t-saoghail  ag  radh  ris  gu 
faodadh  e  Calbhari  a  sheachnadh,  agus  rioghachd 
Dhe  a  chur  air  chois  air  dhoigh  eile ;  ach 
chunnaic  e  gu  soilleir  nach  robh  sin  coraasach, 
's  gu'm  feumadh  e  a  bheath'  a  thoirt  seachad 
chum  an  saoghal  a  chosnadh.  "Mur  faigh  an 
grainne  cruithneachd  a  thuiteas  anns  an  talamh 


30 


bas,  fanaidh  e  'na  aonar,  ach  ma  gheibh  e  bas, 
bheir  e  toradh  mor  uaith." — Eoin  xii.  24.  Bha 
na  h-abstoil,  's  a  chairdean,  's  an  sluagh  uile, 
de'n  aon  inntinn  nach  ruigeadh  losa  a  leas  fulang 
air  a'  chrann-ceusaidh,  's  gu  faodadh  obair  na 
rioghachd  a  bhi  air  a  criochnacha'.lh  gun  dortadh 
fala.  Bha  iad  ag  innseadh  so  diia  gun  sgur,  's 
ag  iarraidh  air  an  comhairle  ghabhail.  An  iogh- 
nadh  ged  a  thigeadh  teagamh  'na  chridh'  air 
uairean,  's  gun  abradh  e  ris  fein — Nach  faod  e 
bhith  gu  bheil  iadsan  ceart  is  niise  cearr  !  B'e 
so  am  buaireadh  sonruichte  a  thainig  gu  losa  an 
drasd  's  a  rithist — a?i  ioma-cJiomhairk  aims  an 
robh  e  eadar  comhairle  dhaoine  ugiis  comhairle  a 
chridlie  fein,  eadar  solus  an  t-saoghail  agiis  an 
solus  a  thug  Dia  dha.  Ach  ged  a  bha  fheoil  air 
uairean  an  impis  failneachadh,  's  ged  a  rahiann- 
aicheadh  a  geill  a  thoirt  do  dhaoine,  's  fulangas 
a'  bbais  a  sheachnadh,  bha  solus  inntinn  is 
gradh  a  chridhe  fein  'ga  cho-eigneachadh  gus  an 
cupan  searbh  61.  Bha  e  'na  aonar  an  aghaidh 
an  t-saoghail,  ach  air  dha  a  bhi  dileas  do  ghuth. 
a  chridhe  fein  seach  eisdeachd  ri  guth  dhaoin' 
eile,  fhuair  e  buaidh  air  an  t-saoghal,  agus  nochd 
e  d'a-bhraithrean  an  t-slighe  air  an  coir  dhaibh 
imeachd.  Iadsan  a  tha  dileas  do  'n  t-sradaig 
bhig  sholuis  a  tha  'nan  cridhe  fein,  socruichidh 
Dia  an  ceumanna  agus  cuiridh  e  an  casan  air 
carraig. 

n.  'Nuair  a  bha  Criosd  an  ioma  -  chomhairle, 
rinn  e  uirnigh.  Thainig  an  smuain  gu  inntinn 
gu  faodadh  e  bhith  gur  h-e  freasdal  De  a  chuir 
na  Greugaich  'ga  ionnsuidh.  An  gabhadh  e  an 
cuireadh  cairdeal  a  thug  iad  dha,  's  an  teicheadh 
e  o  'naimhdean,  no  am  fanadh  e  far  an  robh  e 
gus  an  glacadh  iad  e  ?  Cha  robh  fios  aige  an 
toiseach  ciod  a  theireadh  e,  agus  labhair  a  an 
smuain  a  bha  'na  chridhe,  Tha  m'  anam  fo 
amhghar  agus  ciod  a  their  mi  ?  Rinn  e  an  rud 
a  rinn  a  daonnan  'nuair  a  bha'n  t-slighe  dorcha  ; 
dh'  iarr  e  solus  is  neart  o'n  airda.  Cha  'n  abradh 
a,  Athair  saor  mi  o'n  uair  so,  ach  rinn  e  uirnigh 
a  b'  fhearr  's  a  b'  fharsuinge — Athair  gloraich  f 
ainm.  Cha  'n  'eil  innt'  ach  tri  facail  uile  gu  leir, 
ach  cha  'n  ann  a  reir  lionmhoireachd  bhriathran 
a  tha  airidheachd  uirnigh.  B'e  biadh  is  deoch 
Chriosd  toil  an  Athar  a  dheanamh,  agus  is  ann 
chum  toil  Dhe  fhaotainn  a  mach  a  labhair  e  an 
uirnigh  so.  Fhuair  e  foillseachadh  air  ruintean 
an  Athar  nach  d'  fhuair  neach  eile  riamh,  agus 
nach  faodar  a  radh  gu'm  b'e  an  t-aobhar  air  sin, 
CO  dhiu  ann  an  tomhas,  gu  robh  co-chomunn  cho 
dion  's  cho  dluth  aiga  ri  Dia  ann  an  uirnigh. 
Bhiodh  e  'g  airigh  roimh  latha  los  cothrom 
fhaotainn  air  uirnigh  uaignich,  's  an  deigh  d'a 
chompanaich  dol  a  chadal  bhiodh  a  mach  air  an 
raon  a'  glaachd  ri  Dia.  Chunnacas  a  thoradh 
sin  'na  bheatha.  Chunnacas  a  thoradh  air  uair- 
ean 'na  aodann.  Bha  sith  Dha  'na  chridhe  a 
chionn  gu  robh  ainm  Dhe  air  a  bhilaan-    Foills- 


ichidh  Dia  a  thoil  dhaibhsan  a  tha  trie  air  an 
gluinean.  Chi  fear  na  h-uirnigh  iomadh  ni  a 
tha  dorcha  d'a  choimhearsnaich.  Is  e  uirnigh  an 
gloin-amhairc  leis  am  faicear  mais'  is  saoibhraas 
rioghachd  Dha.  Fhraagair  Dia  uirnigh  a  mhic 
mar  a  f  hreagras  e  gach  uirnigh  f  hior.  Ghloraich  e 
ainm  fein,  ann  a  bhi  nochdadh  dha  na  slighe,  's 
ann  a  bhi  toirt  dha  neart  is  misneach  gu  cois- 
each  oirra.  Chunnaic  losa  nach  robh  ann  an 
cuireadh  nan  Greugach  ach  buaireadh  i^ir  o'n 
t-saoghal,  agus  dhiult  e  imeachd  air  an  t-slighe  a 
chomhairlich  iad  dha.  Bha  leithid  de  dhearbh- 
achd  aige  gu  robh  e  a'  deanamh  toil  Dhe  's  gu'n 
d'  thubhairt  e,  "A  nis  tha  breitheanas  an 
t-saoghail  so  ann,  a  nis  tilgear  uachdaran  an 
t-saoghail  so  mach." 

III.  Tha  'n  uirnigh  so  a'  teagasg  ciod  is  coir 
dhuinn  a  dheanamh  'nuair  bhios  ar-n  anam  fo 
amhghar,  's  a  bhios  sinn  an  ioma-chomhairle. 
Tha  'n  fheoil  anfhann,  's  tha  e  nadurra  do 
dhaoin'  a  radh — A  Dhe  saor  mi  o'n  chall  so,  o'n 
uailach  so,  o'n  phian  so,  o'n  duileadas  so.  Tha 
na  briathran  nadurra  air  bilean  dhaoine,  agus  ma 
dh'  fbaoite  gu'n  cluinnear  iad  gu  trie  air  bilean 
feadhnach  nach  do  rinn  uirnigh  eile  riamh.  Ach 
tha  uirnigh  a's  fhearr  agus  a's  neo-fheineilea  dh' 
fhaodas  sinn  a  radh — Athair  gloiraich  f  ainm. 
Mar  gu'n  abradh  duine,  Tha  mi  leagta  ri  d'  thoil, 
O  Athair  chaoimh,  oir  tha  mi  cinnteach  as  do 
ghliocas  's  do  chaoimhneas ;  nochd  dhomh  an 
t-slighe  agus  stiur  mo  cheum,  agus  fan  fein 
maille  rium.  Tha  seorsa  graidh  aig  a'  chuid 
a's  raotha  de  dhaoine  do  naomhachd,  do  chiuine, 
do  sheirce,  do  dh'  irioslachd,  's  do  dh'fhaighidin 
agus  bidh  iad  ag  uirnigh  moch  is  anmoch  ri  Dia 
gu'm  fasadh  na  grasan  spioradail  sin  annta,  ach 
'nuair  a  fhreagras  Dia  an  uirnigh  's  a  smachd- 
aichaidh  se  iad  chum  toradh  na  fireantachd 
oibreachadh  annta,  toisichidh  iad  air  gearan 
agus  ni  iad  ceannairc  an  aghaidh  a  thoile.  Is 
iomadh  a  h  -  aon  a' s  urrainn  na  briathran  a 
sheinn  — 

Dluth  ort,  mo  Dhia,  gu  'm  bitKn?i 
Dluth,  is  na  's  dluith.' 
nach  h-urrainn  misneach  fhaotainn  gus  na  facail 
eile  a  ghabhail  air  am  bilean  gu  h-onorach — 
Seadh,  ged  b'e  ceusadhfein, 
Dh'  ardaicheadh  mi. 

Is  e  iadsan  a  gheibh  dluth  do  Dhia,  na  daoin' 
a  cheusas  an  toil  's  an  fheoil,  's  a  ghearras  dhiu 
am  ball  a  tha  'na  aobhar  oilbheim.  Is  e  'ceus- 
adh  fein'  lagh  na  beatha  spioradail,  agus  is  e 
iadsan  a  ni  sinn  a  gheibh  buaidh  air  an  t-saoghal. 
An  ti  a  leanas  raise,  thuirt  Criosd,  togadh  e  a 
chrann-ceusaidh.  Cha  'n  'eil  an  seirbhiseach  os 
cionn  a  Mhaighstir,  agus  mar  dh'  eirich  dhasan, 
tachraidh  d'a  dheisciobul.  Cha  'n  fhaigh  duine 
dluth  cho-chomunn  ri  Dia  as  eugmhais  naomh- 
achd, cha  bhi  duine  naomh  gun  ghlanadh,  agus 


.T 

i 


3^ 


I 


¥ 


3a 


cha  ghlanar  an  cridhe  gun  plan  is  amhghar.  Co 
iad  so  a  ta  air  an  sgeadachadh  le  trusganaibh 
geala  agus  cia  as  a  thainig  iad  ?  Is  iad  so,  iadsan 
a  thainig  a  amhghar  mor.  Cha  do  shaor  Dia  a 
mhac  o'n  chrann  ceusaidh,  ach  f  hreagair  e'uirnigh 
air  dhoigh  eile  ;  thug  e  dha  misneach  is  neart 
dol  air  aghaidh,  agus  thug  e  dha  an  spiorad  leis 
an  d'  thubhairt  e,  cha  'n  e  mo  thoil-sa  ach  do 
thoil-sa  gu  robh  deanta.  Agus  a  chionn  gu  'm 
b'  urrainn  e  sin  a  radh,  b'  urrainn  e  radh  mar 
an  ceudna — Ghloraich  mi  t'  ainm  air  thalamh, 
<;hriochnaich  mi  an  obair  a  thug  thu  dhomh  ri 
dheanamh.  Ann  an  umhlachd  a'mhic,  nochdadh 
gloir  an  Athar. 

IV.  Tha  an-shocair  is  mi -shuaimhneas  an 
duine  ag  eirigh  o'n  stri  a  tha  eadar  a  thoil  is  toil 
Dhe.  Tha  cogadh  gun  sgur  eadar  toil  an  duine 
nadurra  agus  toil  Dhe.  Ach  a  chionn  gur  h-e 
Dia  a  rinn  an  saoghal,  's  a  chionn  gu  bheil  e 
iomlan  an  gliocas,  an  ceartas,  's  am  maitheas, 
cha  'n  'eil  ann  ach  amaideas  cogadh  a  dheanamh 
'na  aghaidh,  agus  is  e  an  tiodhlac  a's  fhearr  a's 
urrainn  sinn  iarraidh  air,  ar  toil  fein  a  striochdadh 
d'  a  thoil-san.  Tha  sin  air  uairean  duihch  a 
dheanamh,  direach  mar  bha  e  duilich  do  Chriosd 
aghaidh  a  chur  air  Calbhari  seach  gabhail  ri 
fasgadh  na  Greige,  ach  is  e  iadsan  a  cheusas  an 
fheoil  a  thearnas  an  anam.  Faodaidh  gur  h-e 
toil  Dhe  an  dearbh  ni  a  chur  thugainn  roimh 
bheil  eagal  aig  ar  feoil,  ach  ma  ni  e  sin,  cha  'n 
ann  gu  'n  aobhar,  agus  tha  comhfhurtachd  's  an 
fhacal,  "An  ti  a's  ionmhuinn  ids  an  Tighearna, 
smaclidaichaidh  se  e.  Cha  'n  'eil  anns  na  daoin' 
a's  glice  air  thalamh  ach  paisdean  ann  an  tigh 
Dhe,  agus  ann  an  teaghlaichean  a  th'  air  an 
riaghladh  gu  ceart,  cha  'n  e  toil  nam  paisdean 
lagh  an  tighe.  Is  maith  do  'n  chloinn  gu  bheil 
toil  an  Athar  a  seasamh  eadar  riu  is  run  an 
cridhe.  Tha  esan  maith  's  a'  deanamh  maith  do 
na  huile  dhaoine. 

As-creideamh  dall  theid  cli  's  gach  ceum, 

Gniomh  Dhe  a  chaoidh  cha  sgrud  ; 

'Se  Dia  's  fear  mineachaidh  dha  fein, 

'S  ni  soilleir,  reidh,  gach  cuis. 
Ar-n  Athair  a  ta  air  neamh,  cuidich  leinn  t-ainm 
a  ghlorachadh  agus  do  thoil  a  dheanamh  air  an 
talamh. 


CEIST     IS     FREAGAIRT. 


Dh'  iarr  am  maighstir  -  sgoil  air  na  sgoilearan 
iad  a  sgriobhadh  air  paipeir  na  b'  aithne  dhaibh 
mu  "Fhaisdedn."  Thug  balach  beag  dhiu  greis 
air  a  cheann  a  th^chas,  agus  greis  air  a  pheann  a 
chagnadh,  ach  an  sin  fhuair  e  solus  agus  fuas- 
gladh  facail,  agus  sgriobh  e  mar  so : — 

Cha'n'eil  fait  idir  air  paisdean.  Gus  am  fas  am  fait 
cha  'n  'eil  fios  co  dhiu  a  bhios  ann  balach  no  caileag. 
Thainig  cuid  dhiu  as  an  speur  agus  cuid  eile  a 
diabh  ghiomach.     Ged  a  bhios  an  suilean  fosgailte 


cha'n  fhaic  iad  dad  mur  cuir  thu  do  mheur 'nan 
suil.  Bidh  iad  'nan  cadal  daonnan,  agus  bidh  iad 
a'  faicinn  bruadar  air  feidh.  Chunnaic  mise  fiadh 
air  an  robh  ochd  adhaircean.  Bidh  iad  a'  deoghal 
an  ordaig,  agus  theid  aca  air  ruith  air  an  gluinean. 
Tha  da  chois  air  feadhainn  dhiu,  agus  bidh  iad 
dearg  a  chionn  nach  'eil  fiaclan  na  cnamhan  annta. 
Cha  "n  urrainn  dhaibh  aran  itheadh  a  chionn  nach 
'eil  fiaclan  no  stamag  aca,  ach  gabhaidh  iad  bainne 
a  botul,  'nuair  tha  iad  'nan  dusgadh.  Feumar  an 
nigheadh  le  uisge  blath  agus  tha  sin  'gan  deanamh 
geal.  Tha  feadhainn  dhiu  a  bhios  mullach  an  cinn 
bog,  agus  mur  'eil  thu  curamach,  bheir  thu  toll  orra. 
Ma  bheir  thu  na  h-ingean  dhiu  Di-haoine  gheibh 
iad  am  bas,  agus  cha'n  fhas  iad  ni's  niotha.  'Nuair 
a  dh'  fhasas  am  fait,  's  e  caileag  a  th'  ann ;  ach  tha 
cuid  dhiu  'nam  balaich  agus  gheibh  iad  briogais. 
Cha  'n  'eil  paisdean  anns  a  h-uile  tigh  idir,  a  chionn 
nach  h-aithne  do  na  paisdean  bruidhinn.  Bidh  iad 
a'  brongail  ach  cha  tuig  thu  iad.  Tha  an  lamhan 
bog.  Bidh  an  paisd'  againne  a'  gaireachduinn  ris  a' 
chu,  agus  leigidh  mo  mhathair  leam  a  thogail.  Ma 
leigeas  tu  leis  tuiteam,  bidh  e  crotach. 

Faodaidh  thus',  a  leughadair,  gaire  a  dheanamh 
air  oidhirp  a'  bhalaich  bhig,  ach  cha  'n  'eil  fios 
agam  am  biodh  e  furasda  dhuit  dha  no  tri 
dhuilleagan  a  sgriobhadh  air  a'  chusp.iir  a  thug 
am  maighstir  sgoil  dhasan.  Cha  'n  'eil  teagan:ih 
nach  robh  troimh  -  cheile  ann  an  inntinn  a' 
bhrogaich  mu  iomadh  rud  a  bhumeas  do  bheatha 
's  do  ghne  phaisdean,  agus  air  uairean  tha  e 
duilich  an  reusanachadh  aige  a  leantuinn,  ach 
rinn  e  a  dhichioU  agus  thug  e  seachad  fiosrachadh 
air  nithean  nach  h-amaiseadh  ort  ann  an  sgriobh- 
aichean  a  bu  doimhne.  Cha  'n  'eil  doigh  a's 
fhearr  air  aineolas  duine  a  dhearbhadh  air,  no 
iarraidh  air  duilleag  no  dha  a  sgriobhadh  air 
cuspair  air  chor-eigin  a  tha  e  'n  duil  a's  aithne 
dha.  'Nuair  a  dh'  fheuchas  e  ri  'smuaintean  a 
chur  sios  gu  h-ordail,  chi  e  nach  'eil  an  gnothuch 
idir  cho  furasda  's  a  shaoil  e,  's  nach  'eil  inntinn 
f  hein  idir  soilleir  air  nithean  a  tha  mu  choinneamh 
a  shul  gach  latha.  'Nuair  a  bhios  daoin'  a' 
seanchas  aghaidh  ri  aghaidh,  cha  ruig  iad  a  leas 
a  bhi  cho  curamach  ciod  a  their  iad,  agus  cuid- 
ichidh  eolas  an  dara  fir  aineolas  an  fhir  eile; 
ach  'nuair  a  chuirear  peann  is  paipear  ad  laimh 
feumaidh  tu  tuiteam  air  ais  air  do  thuigs'  is  t' 
fhiosrachadh  feii..  Their  duine  iomadh  rud  air 
thuaiream  ann  an  seachas,  nach  bu  mhaith  leis 
a  chur  sios  an  geal  's  an  duth.  Cha  luaithe 
thoisicheas  e  air  a  chur  sios  no  bhualas  amharus  e 
nach  'eil  an  rud  idir  ceart  no  soilleir.  Nochdaidh 
peann  is  paipear  aineolas  duine  ged  a  dh'fhaodas 
seanchas  an  t  aineolas  ceudna  fholach.  Is  e  so 
am  feum  a's  fhearr  a  th'  anns  na  ceasnaichean 
ris  am  feum  an  oigridh  seasamh  ann  an  sgoilean 
's  ann  an  oilthighean.  Gheibhear  a  mach  air  an 
doigh  sin  am  pong  's  an  tur  leis  an  teid  aca  air 
labhairt  air  cuspairean  air  am  bu  choir  eolas  a 
bhi  aca.  Cha  dean  e  feum  sam  bith  dhaibh 
ruith  a  leigeil  le  'n  teangaidh  mur  'eil  dad  a's 


32 


fhiach  aca  ri  radh.  Feuniaidh  iad  dol  gu  cridhe 
na  ceisde  a  dh'  aon  ruith,  agus  am  fiosrachadh 
no  na  smuaintean  a  th'aca,  a  chur  sios  am  beagan 
cainnte,  gu  soilleir,  ordail.  Tha  e  air  a  radh 
gu  'n  croch  an  duir?e  dona  e  fhein  ma  bheir  thu 
dha  ball  gu  leor,  agus  tha  e  cheart  cho  cinnteach 
gu  'n  dit  an  duin'  leth-aineolach  e  fein  ma  bheir 
thu  dha  peann  is  paipear.  Ma  rinn  thus',  a 
leughadair,  magadh  air  oidhirp  a'  bhalaich  bhig, 
bu  mhaith  leam  fhaicinn  ciod  a  sgriobhadh  tu 
fein  air  cuspair  a  tha  cheart  cho  furasda  ris  an 
fhear  a  thug  am  Maighstir  sgoil  dhasan.  Feuch, 
ort,  mata.     "Gabh  do  roghainn  dhiu  so  : — 

Carson  a  sheideas  gaoth  ? 

Carson  a  ski/eas  iiisge  ? 

Carson  a  tha  lionadh  is  traigheadh  ? 

Innis  na's  aithne  dliuit  miin  ghrein. 

Innis  na's  aithne  dhuit  mu'n  ghealaich. 
Tha  thu  faicinn  na  greine,  's  na  gealaich,  's  a' 
chuain  gach  latha  de  d'  bheatha,  's  a  bruidhinn 
air  gaoth  is  uisge ;  ach  cluinneamaid  ciod  am 
fiosrachadh  a's  urrainn  thu  thoirt  dhuinn  gu 
pongail  air  na  nithean  sin.  Ma  chuireas  a  h-aon 
air  bith  d'  ar  leughadairean  seanchas  turail  thug- 
ainn  air  na  cuspairean  sin,  bheir  sinn  am 
follais  e. 

Cha  'n  'eil  e  furasd  a  thuigsinn  ciod  an  doigh 
anns  a  bheil  inntinnean  cloinne  ag  oibreachadh, 
agus  bheir  iad  air  uairean  freagairtean  ris  nach 
robh  fiuthair  aig  an  fhear  a  chuir  a'  cheist  orra. 
Bha  ministear  uair-eigin  a'  dol  thairis  leis  a' 
chloinn  air  an  t-salm  far  a  bheil  e  air  a  radh — 
B'  fhearr  leam  bhi  dorsaireachd  ann  an  tigh  mo 
Dhe  no  bhi  'm  chomhnuidh  am  pailliunaibh 
aingidheachd — agus  air  dha  fheoraich  carson  a 
labhair  an  Salmadair  mar  sud,  thuirt  brogach 
beag,  A  chionn  gu  faodadh  e  dol  a  mack  'fiuair  a 
thoisicheadh  an  searmon.  Faodaidh  gur  h-e  am 
balach  so  a  bha  'na  sgalaig  aig  a'  mhinisteir 
'nuair  a  thainig  e  gu  ire  duine.  Dh'  iarr  am 
ministear  air  la  air  chor-eigin  car  sonruichte  a 
dheanamh  nach  buineadh  do  dh'obair  an  fhear- 
ainn.  Thuirt  an  sgalag  nach  deanadh,  oir  nach 
h-ann  airson  na  h-obrach  ud  a  bha  e  air  a 
phaigheadh.  Dh'  fhas  iad  le  cheiie  gu  maith 
teth,  agus  thoisich  an  connsachadh.  Tha  thu 
air  do  dheagh  phaigheadh  air  son  na  tha  thu 
deanadh,  ars'  am  ministear.  Cha  'n  'eil  mi  sin, 
ars'  an  sgalag.  Tha  thu  faotainn  an  uiread  jo 
's  a'  bhliadhna,  ars'  am  ministear,  agus  cha  'n  'eil 
t'  obair  trom.  Cha  'n  'eil  agad  ach  am  mart  a 
chur  a  mach  's  a  steach,  na  tighean  a  ghlanadh 
agus  sealltuinn  as  deigh  an  eich  is  caigeann 
chaorach.  An  e  sin  uil'  e,  ars'  an  gille  ?  'S  e, 
ars'  am  maighstir.  Chuir  an  sgalag  puth  as  a 
shroin  agus  le  guth  ard  labhair  e — Cha  tug  sibh 
cuimhne gu  bheil  agam  ri  dol  don  t-searmoti  da 
uair  Di-domhnaich.  Bha  ministear  de'n  eaglais 
Shasuinnich  a'  toirt  leasan  do'n  sgoil  Shabaid  air 
Baisteadh,  agus  air  dha  labhairt  mu  'n  t-Sacram- 


aid  sin  car  greis,  thuirt  e  ris  a'  chloinn — Ciod  an 
da  ni  a  tha  feumail  ann  am  baisteadh?  Uisge, 
fhreagair  iad  uile.  Ciod  an  ni  eile,  ars'  esan  > 
Leanabh,  arsa  cailig  bheag  gu  spailpeanta.  Cha 
robh  i  idir  cearr,  ged  nach  b'  e  sid  an  fhreagairt 
ris  an  robh  fiuthair  aig  a'  mhinisteir.  Cha  b'ann 
gun  tur  idir  a  bha  'm  brogach  air  an  do  chuir- 
eadh  a  cheist,  C'ait'  a  bheil  an  t-seann  ghealach 
a'  dol,  's  a  fhreagair,  Tha  Dia  'ga  gearradh  'na 
crioniagan  beaga  's  a'  deanamh  rionnagan  dhith. 
Ma  bha  e  rud  beag  air  seacharan,  bha  e  co  dhiu 
a'  cleachdadh  a  thuigse  bheag  air  ceisd  mhoir, 
agus  ma  gheibh  e  sineadh  laithean  ni  e  airgiod, 
oir  cha  bu  mhaith  leis  eadhoin  am  fuigheall  a 
leigeil  a  dholaidh.  Ach  gu  de  theirear  ris  an 
droch  sgealb  a  thug  an  fhreagairt  so,  Is  e  creid- 
itnh,  rtid  a  chreidsinn  ?iach  'eil  fior. 


S  E  A  C  H  D 


Anns  a'  Bhiobull  cha  'n  urrainnear  am  facal  so 
a  ghabhail  daonnan  gu  litireil.  Cha  'n  'eil  e  gu 
bitheanta  a'  ciallachadh  aireamh  shonruichte, 
ach  tha  e  air  a  chleachdadh  ann  an  doigh  shamh- 
lachail.  Bha  na  hTudhaich  is  cinnich  eile  am 
beachd  gu  robh  ceangal  air  chor  eigin  eadar 
seachd  agusiomlanachd,  agus  bha  iad  a' sealltuinn 
air  seachd  mar  aireamh  naomh.  Faodaidh  e 
bhith  gur  h-ann  o  na  speuradairean  a  thainig  an 
smuain  so  an  toiseach,  ach  fhuair  an  smuain 
greim  laidir  air  inntinn  nan  ludhach  do  bhrigh 
gur  h-ann  o'n  aireamh  seachd  a  bha  na  feilltean 
air  an  cunntas.  Bha  'n  t-Sabaid  a  tuiteam  air 
an  l-seachdamh  la,  bha  na  tri  feilltean  mora  a 
marsainn  seachd  laithean,  bha  seachd  seachduinn- 
ean  eatorra,  bha  seachd  uain  ri  'n  iobradh, 
Aireamh  xxviii.  2,  bha  'n  fhuil  ri  crathadh 
seachd  uairean,  Lev.  iv.  6,  's  bha  ceangal  eadar 
seachd  agus  iomadh  rud  eile  ann  an  aoradh  is 
beatha  an  t-sluaigh.  Is  e  sin  an  reusan  gu  bheil 
am  facal  seachd  a'tachairt  oirnn  cho  trie  anns  a' 
Bhiobull.  Ann  an  leabhar  an  Taisbeanaidh  tha 
sinn  a  leughadh  mu  sheachd  coinnleirean,  seachd 
lochrain,  seachd  eaglaisean,  seachd  spioradan, 
seachd  seulaichean,  seachd  aingil,  seachd  soithich- 
ean.  Chrom  lacob  e  fein  ris  an  talamh  seachd 
uairean  nuair  choinnich  Esau  e,  dh'  iarradh  air 
Naaman  e  fein  a  nigheadh  seachd  uairean, 
rinneadh  an  amhuinn  anns  an  do  chuireadh 
Shadrach  's  a  chompanaich  seachd  uairean  ni  bu 
teotha  na  b'  abhaist.  Is  iad  na  aireamhan  a's 
bitheanta  thachras  oirnn  anns  a'  Bhiobull,  3,  is 
7,  is  40  agus  mar  is  trice  cha  'n  urrainnear  an 
gabhail  gu  litireil. 

Chuala  a  h-uile  duine  iomradh  air  na  seachd 
Ceatharnaich,  na  seachd  daoine  glice,  na  seachd 
eolais,  na  seachd  Sathurnan,  na  seachd  cadhlaich- 
ean,  na  seachd  peacaidhean  marbhtach,  is  seachd 
ioghnaidhean  an  t-saoghail. 


I 


1 


';■!* 


Air.     9. 


1909. 


CRIOSD     IS     SIMON. 


A   Shimoin,  a   ta   ni  again  ri  radh  riiit. 
— Lucas  vii.  40. 

Ged  nach  d'  thug  na  Pharasaich  gnuis  do 
Chriosd  mar  fhear  teagaisg,  's  ged  nach  robh 
gaol  sam  bith  ac'  air  fhein  no  air  a  chompanaich, 
bha  duine  caomh  no  dha  'nam  measg  a  nochd 
caoimhneas  dha.  Cha  robh  iad  uile  'nan  cealg- 
airean  :  bha  cuid  dhiu  na  b'  fhearr  no  'n  creud. 
Cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  iad  cumhann 
'nam  beachdan  is  tioram  'nan  crabhadh,  ach  bha 
fear  an  sid  's  an  so  aig  an  robh  farsuingeachd 
inntinn  is  caomhalachd  cridhe.  B'  ann  de  na 
Pharasaich  Nicodemus,  agus  loseph  o  Arimatea 
mar  an  ceudna,  agus  ged  nach  do  lean  iad 
Criosd  ann  an  laithean  fheola.  is  coltach  gu 
robh  baigh  aca  ris  'nan  cridhe.  Ged  bha  na 
Pharasaich  'nan  daoin'  uaibhreach,  's  ged  nach 
b'  fhiach  leo  gnothuch  a  ghabhail  ri  losa,  an 
deigh  dha  bhi  air  fhaicinn  ag  itheadh  's  ag  61 
maille  ri  cis  mhaoir  is  peacaich,  bha  triuir  dhiu 
a  chuir  sin  an  suarachas,  's  a  thug  cuireadh  dha 
dh'  ionnsuidh  am  buird.  B'  e  fear  dhiu  sin 
Simon.  Chual  e  iomradh  air  teasgasg  is  mior- 
bhuilean  losa,  agus  thug  e  dha  cuireadh  gu 
suipeir.  Faodaidh  gu  robh  e  'n  duil  gu  robh  e 
'toirt  urram  nach  bu  bheag  do  losa  ann  a  bhi 
fosgladh  a  dhoruis  dha,  ach  cha  ruigeadh  e  leas 
a  dheanamh  idir  mur  toilicheadh  e,  agus  feumar 
a  chreidsinn  gur  h-ann  le  gean-maith  a  chuir  e 
fios  air.  Cha  do  dhiult  los'  an  cuireadh.  Bha 
e  cheart  cho  deonach  air  a  bhi  'na  charaid  do 
na  Pharasaich  's  bha  e  air  a  bhi  'na  charaid  do 
na  cis-mhaoir,  's  bha  fios  aige  gu  robh  an  dara 
feadhainn  cho  feumach  air  slainte  is  leigheas  's 
a  bha  'n  fheadhainn  eile.  Cha  b'  ann  a  shireadh 
aon  seorsa  dhaoin'  a  thainig  e  ach  a  shireadh 
nan  uile.  An  deigh  do  na  h-aoidhean  suidh' 
aig  a'  chuirm  chunnaic  iad  rud  a  chuir  ioghnadh 
orra.  Bha  bean  a  mhuinntir  a'  bhaile  'na 
seasamh  air  culaobh  losa,  a'  gul  gu  goirt,  ag 
ungadh  a  chasan  le  h-oladh,  agus  'g  an  tior- 
machadh  le  fait  a  cinn.  Chual  i  mu  'n  chuirm, 
fhuair  i  fios  gu  robh  los'  a'  dol  thuice  agus 
ghabh  i  cothrom  air  dol  a  steach  gun  chuireadh 
agus  ait'  fhaotainn  aig  casan  an  t-Slanuigheir. 
Ghabh  Simon  an  fhearg  oir  thuig  e  anns  a' 
mhionaid  co  bh'  ann.  Dh'  aithnich  e  gu  'm 
bu  bhoirionnach  i  a  bha  fo  dhroch  cliu,  agus 
thuirt  e  ann  fein  nach  b'  urrainn  gu  robh  losa 
cho  mhaith  no  cho  naomh  's  a  bha  daoine  'g 
radh  'nuair  a  leigeadh  e  le  dubh-chaile  de  'n 
t-seors'  ud  a  laimhseachadh.     Leugh  los'  an  rud 


a  bha  'n  inntinn  an  Pharasaich  agus  thuirt  e  ris,^ 
a  Shimohi,  a  ta  ni  agam  ri  radh  riut.  Agus  an 
sin  dh'  innis  e  dha  mu  dhithis  a  fhuair  am 
fiachan  a  mhaitheadh  dhaibh,  an  dara  fear  leth- 
cheud  peighinn  agus  am  fear  eile  coig  ceud 
peighinn  agus  dh'  fheoraich  e — co  dhiu  so  is  mo 
a  ghraidhicheas  an  duin'  a  ghabh  truas  dhiu. 
Fhreagair  Simon  agus  thubhairt  e,  am  fear  is 
m6tha  d'  an  do  mhaitheadh.  As  a  bheul  fhein 
dhit  an  Slanuighear  e  mar  a  dhit  Nathan 
Daibhidh  le  cosmhalachd  an  uain.  Bha  Simon 
's  a'  bhean  so  gle  eu-coltach  ri  cheile  ach  thug 
an  Slanuighear  dhaibh  an  cuibhrionn  bidh  'na  am. 

I.  Anns  a'  chosmhalachd  so  ghabh  losa 
taobh  na  mnatha,  agus  dhion  se  e  fein  is  ise  o 
dhroch  amharus  Shimoin.  Leig  e  fhaicinn  dha 
nach  e  mi-mhodh  no  dalmachd  a  thug  a 
dh'  ionnsuidh  na  cuirme  i,  ach  an  gradh  's  am 
meas  a  bh'  aic'  air  an  neach  a  nochd  trocair  dhi 
's  a  dhuisg  dochas  'na  cridhe.  Bu  leir  do 
Shimon  a  peacadh  ach  cha  bu  leir  dha  a 
h-aithreachas,  agus  ann  a  bhi  toirt  breith  oirre 
chaidh  e  cearr.  Bu  leir  do  Chriosd  a  h-aithreachas 
cho  maith  's  a  b'  aithne  dha  a  peacadh  agus 
thug  e  breith  chrothromach  oirre.  Cha  d'  thu- 
bhairt e  ri  Simon  gu  robh  i  'na  b'  fhearr  no  bha 
esan,  's  cha  do  ghabh  e  a  lethsgeul  anns  an  olc 
a  rinn  i.  'Na  aite  sin  tha  an  cosmhalachd  a'^ 
teagasg  gu  robh  i  fada  na  bu  chiontaiche  no  bha 
esan,  bha  fiachan  an  Pharasaich  mar  leth  cheud 
peighinn  ach  bha  iiachan  nam  mnatha  mar 
choig  ceud.  Ach  a  ta  mi  ag  radh  riut  gu  bheil 
a  peacanna  a  ta  lioimihor  air  am  maithcadh,  air 
an  aobhar  sin,  ghradhaich  i  gu  tnor.  Mar  gu  'n 
abradhlosa.  Thathuairdo  mhealladh,  a  Shimoin, 
mu  'n  bhoirionnach  so.  Bha  i  uaireigin  an  ni  a 
tha  thus'  a'  saoilsinn  ach  chaidh  sin  seachad 
agus  is  coir  a  dhichuimhneachadh.  Fhuair  i 
maitheanas  peacaidh  agus  dhuisg  sin  innte  a 
leithid  de  ghradh  's  de  ghairdeachas  's  nach  'eil 
fios  aice  ciod  a  ni  i  chum  a  taingealachd  a 
nochdadh  dhomhsa.  Is  e 
d'  thigh-sa  an  nochd  i,  agus 
chasan  a  thiormachadh  le  fait, 
mor,  tha  a  gradh  mor  mar  an  ceudna  dhomhsa 
a  thog  dhith  an  t-uallach.  Ciod  i  do  bharail  a 
nis,  a  Shimoin?  A'  bheil  thu  fhathast  a'  faotainn 
coire  do  'n  bhoirionnach  aithreachail  airson  an 
ni  a  rinn  i,  agus  a  bheil  thu  a'  faotainn  coire 
dhomhsa  airson  gabhail  rithe  ? 

II.  Anns  a'  chosmhalachd  so  chronaich  losa 
spiorad  an  Pharasaich.  Ged  a  thug  Simon 
cuireadh  dha  gu  thigh,  tha  e  coltach  gu  'n  do 
rinn  e  eadar-dhealachadh  eadar  e  agus  each,  agus 
nach  d'  thug  e  dha  an   t-ait'  a  thug  e   do   na 


sin    a    thug    do 

a  thug  oirre  mo 

Ma  bha  peacadh 


34 


li-aoidhean  eile.  Bu  bheag  aig  losa  sin,  oir  bha 
•e  macaiita  agus  iriosal  an  cridhe,  agus  ged  a 
mhothaich  e  gle  mhaith  mar  a  bha  cuisean,  cha 
d'  thuirt  e  dad  aig  an  am.  Ach  air  do 
Shimon  coire  fhaotainn  do  'n  mhnaoi  airson  an 
tabhartas  graidh  a  dhoirt  i  air  a  cheann,  fhuair 
losa  cothrom  air  solus  ur  a  chur  do  'n 
Pharasach  air  a  ghiulan.  Choimeas  e  fuachd  a 
chridhe  ri  gradh  na  mnatha  air  a  leithid  a 
dhoigh  's  nach  b'  urrainn  do  Shimon  gun 
faireachduinn  nach  do  nochd  e  an  t-urram  a  bha 
dhgheach  dha.  Chuir  e  'na  chuimhne  nach 
d'  thug  e  dha  pog  'nuair  a  thainig  e  steach  d'  a 
fhardaich,  's  nach  d'  thug  e  dha  uisge  chum  a 
chasan  a  nigheadh.  Rinn  Simon  dearmad  air 
an  dleasdanas  sin  a  chionn  nach  b'  fhiach  leis 
aideachadh  gu  robh  Mac  an  duine  cho  mhaith 
ris  fhein  's  ri  'chompanaich.  Bha  shuilean  air 
an  dalladh  le  uabhar  na  beatha  's  cha  'n  fhac  e 
gloir  an  Ti  a  shuidh  aig  a  bhord.  Bha  deagh 
bharail  aig  air  fhein,  cha  robh  a  chiont'  a'  cur 
dragh  air,  agus  a  chionn  nach  robh  e  'n  duil  gu 
robh  e  'n  eiseimeil  an  t-Slanuigheir  cha  d'  thug 
e  tabhartas  graidh  sam  bith  dha.  Ghradhaich  e 
gu  beag,  oir  cha  d'  iarr  's  cha  d'  fhuair  e 
maitheanas  mor. 

III.  Anns  a'  chosmhalachd  so  tha  Criosd  'g 
a  nochdadh  fein  mar  charaid  pheacach.  Bha  e 
'na  ioghnadh  mor  do  ra  Pharasaich  gu  robh  e 
na  bu  ghaolaiche  air  a  bhi  comhla  ri  peacaich 
is  cis-mhaoir  no  bha  e  air  a  bhi  comhla  ri  daoine 
urramach  is  cliuteach  mar  bha  iad  fein.  Mar 
gu  'n  abradh  e  ri  Simon,  tha  iongantas  ort 
gu  'n  do  leig  mi  leis  a'  bhoirionnach  so  beantail 
rium,  's  nach  do  thilg  mi  mach  i  mar  a  dheanadh 
tusa  's  do  chairdean.  Cha  do  rinn  mi  sin  oir 
tha  e  'na  shblas  do  m'  chridhe  gu  'n  tugadh 
daoine  gradh  dhomh  mar  tha  peacaich  is  cis 
mhaoir  a'  deanamh.  'Nuair  theid  mi  am  measg 
nam  Pharasach  cha  tachair  orm  ach  fuachd  is 
amharus  is  naimhdeas,  ach  tha  na  peacaich  a' 
fosgladh  an  cridhe  dhomh  's  'gam  ghradhachadh 
le  gaol  mor.  A  bheil  ioghnadh,  a  Shimoin,  ged 
bhithinn  ni  bu  toighiche  air  comunn  na 
feadhnach  so  no  air  comunn  do  sheorsa  fein  ? 
Cha  'n  'eil  iarraidh  agaibhse  orm  oir  cha  leir 
dhuibh  'ur  feum,  ach  tha  iarrtus  acasan  orm  a 
chionn  gur  haithne  dhaibh  am  feum.  Tha  am 
peacaidhean  trom,  gun  teagamh,  ach  tha  an 
gradh  moi  mar  an  ceudna,  agus  air  a'  ghradh 
sin  togaidh  mise  mo  rioghachd.  Cha  'n  'eil  an 
cosmhalachd  so  a'  teagasg  gur  h-e  na  peacaich 
a  's  miosa  a  ni  na  naoimh  a  's  fhearr  an  deigh 
laimhe,  ach  tha  e  teagasg  "gu  bheil  gradh  aig 
daoine  do  Chriosd  anns  an  tomhas  anns  a  bheil 
eolas  is  faireachduinn  aca  air  an  cionnta  fein. 
Bha  gradh  na  dithis  so  anns  an  tomhas  anns  an 
robh  iad  an  eiseimeil  an  fhir  a  mhaith  dhaibh 
am  fiachan.  Cho  fad  's  a  tha  leth  cheud  o 
choig  ceud,  cho  fada  sin  bha  gradh  is  taingealachd 


Shimoin  o  ghradh  's  o  thaingealachd  na  mnatha. 
Ma  chaidh  ise  air  seacharan  mar  nach  deachaidh 
Simon  ghradhaich  i  am  Buachaill  a  thug  air  ais 
i  mar  nach  do  rinn  a  chridhe  beag-san.  An 
sealladh  dhaoine  choimhead  Simon  na  h-aithean- 
tan  's  bha  e  air  a  chunutas  'na  dhuine  diadhaidh 
ach  an  sealladh  an  Ti  a  rannsaicheas  an  cridhe 
bha  spiorad  air  a  ghiulan  a  bha  calg  dhireach  an 
aghaidh  spiorad  clann  na  rioghachd.  Agus  a 
chionn  gu  'n  robh,  chaidh  eadhoin  peacaich  is 
cis  mhaoir  a  steach  do  'n  rioghachd  air  thoiseach 
air.  An  sealladh  dhaoine  rinn  a'  bhean  thruagh, 
amaideach  ud  long  bhriste  d'  a  beatha,  ach 
air  dhi  tigh'nn  thuice  fein  agus  a  peacadh 
fhuathachadh  agus  a  threigsinn  rinn  Dia  trocair 
oirre,  agus  dhuisg  trocair  Dhe  taingealachd  is 
gradh  'na  cridhe  nach  aithne  do  leithid  Shimoin. 
Is  e  iadsan  a  bh'  ann  an  geimhlibh  ach  a  fhuair 
saorsa,  a  thuig  meud  an  cionta  ach  a  fhuair 
maitheanas,  a  's  urrainn  na  briathran  a  sheinn  le 
cridhe  Ian. 

Cia  mills  ainm  an  t-Slanuigheir  chaoimh 
An  cluas  a'  chreidmhich  bhochd, 
Caisgidh  e  bron  is  leon  nan  naomh. 
Gun  eagal  orr'  roimh  lochd. 
Bidh  t-ainm  'na  cheol  dhomh  fad  mo  re 
'S  'na  steidh  aig  am  mo  bhais. 
Tha  iomadh  leasan  air  fhilleadh  a  steach  anns  a' 
chosmhalachd  so,  ach  tha  sinn  an  duil  gur  h-e 
a'  cheud  ni   a    thig  gu  inntinn  duine  'nuair  a 
leughas  se  e  an  toiseach — caomhalachd  Chriosd. 
Thainig  esan  cha  'n   ann  a  thoirt  breith  air  an 
t-saoghal  ach  a  thearnadh  an  t-saoghail.     Bha  e 
caomhal  ris  na  h-uile.     Cha  do  bhris  e  a'  chuilc 
bhruite.     Bha  cridhe  Shimoin  Ian  de  spiorad  an 
t-saoghail  agus  is  e  doigh  an  t-saoghail  an  dorus 
a  dhunadh  an  aodann  na   feadhnach  a  chaidh 
air   seacharan.       Dheanadh    Simon    sin    air   a 
mhnaoi  so,  ach  cha  do  rinn  Criosd  e,  ged  a  bha 
e   mile  uair  ni  b'  fhearr  's  ni  bu  ghioine  cridhe 
no    'm     Pharasach.       Bha     uaisle     naduir     is 
farsuingeachd  cridhe  ann  am  Mac  an  duine  a 
thalaidh    peacaidh    d'   a    ionnsuidh  's    a    thug 
dhaibh  misneach  is  dochas.     Cha  b'  ann  le  trod 
ach    le    gradh    a    tharruing    e    an    saoghal   'ga 
ionnsuidh. 


CAILLEACH     BHEUR. 


Co  anns  a'  Ghaidhealtachd  nach  cual  iomradh 
air  a'  Chaillich  ?  Cha'  n'  eil  gleann  no  srath 
anns  nach  cluinnear  a  h-ainm,  agus  tha  seann 
daoine  c6ir  a  lathair  fhathast  a  bhios  ag 
innseadh  do  'n  oigridh  sgeul  air  Cailleach  Bheur. 
Is  e  an  cunntas  a  tha  i  toirt  oirre  fein. 

An  uair  a  bha  'tnhuir'na  coilVs  'na  crionaich 

Bha  mise  'n  sin  'am  nionaig  oig. 


k 


% 

i 


i 


I 


35 


Tha  e  air  a  radh  gur  h-ann  a  Lochlann  a  thainig 
a'  Chailleach,  le  cliabh  air  a  druim  Ian  iiir  is 
chreagan,  airson  Albainn  a  dheanamh.  Thuit 
cuid  de  'n  uir  's  de  na  clachan  as  a'  chliabh  air 
an  rathad,  agus  is  e  sin  a  rinn  na  h-eileanean. 

Tha  ainm  na  Caillich  ri  fhaotainn  o  na 
h-Arcaibh  's  an  taobh  tuath  gu  Creag  a'  Mhadaidh 
dluth  air  Glasachadh,  far  am  faicear  clacha  mora 
ris  an  abrar  "The  Auld  Wife's  Lifts"— togail- 
aichean  na  Caillich  'nan  seasamh  anns  a' 
mhointich.  Chithear  laraichean  a  luchairt  an 
Loch  a'  Phuill  an  Tiriodh  agus  aig  ceann  deas  an 
Ros  Mhuilich,  agus  gus  an  latha  diugh  theirear 
riu  Tota  no  Totaichean  Cailleach  Bheur.  'S 
ann  eadar  na  Torainnean  agus  an  Dubh  Hirteach 
a  tha  treudan  na  Caillich  ag  ionaltradh.  Tha 
Rudha  na  Caillich  am  Muile  air  ainmeachadh 
as  a  deigh,  agus  lamh  ris  an  rudha  tha  Uamh 
Bhuaile  nan  Drogh  far  am  biodh  na  treudan 
aice  air  an  iomain  gu  bhi  air  am  bleoghan.  Aig 
aiseag  na  Conathuil  air  Loch  Eibhte  tha  creagan 
ris  an  abrar  Clacharan  Cailleach  Bheur,  agus  aig 
Cruidhean  leum  steud-each  na  Caillich  o  bheinn 
Duirinis  gu  taobh  Chruachain,  'nuair  bha  i  air  a 
ruaig  's  an  t5ir  as  a  deigh.  Cha  'n  ann  an 
Albainn  a  mhain  a  chluinnear  iomradh  air  a' 
Chaillich.  Rainig  i  Eirinn  agus  thug  i  'ainm  do 
Shliabh  na  Caillighe.  Tha  tri  cuirn  air  an 
t-sliabh  agus  theirear  gur  h-e  Cailleach  Bheara  a 
thog  iad  ie  tri  Ian  aprainn  de  chlachan.  Tha 
Carn-na-Cathair  an  sin,  air  am  biodh  a'  Chailleach 
a'  suidhe  chum  sealladh  a  ghabhail  air  an 
■duthaich  mu  'n  cuairt.  Aig  taobh  Loch  Atha 
an  Earraghaidheal  tha  i  'na  suidhe  fhathast, 
direach  mar  air  Rudha  na  Caillich,  air  a 
tionndadh  gu  carragh  cloiche  agus  bidh  bodaich 
Lathurna  ag  innseadh  na  sgeoil  so.  'Nuair  a 
<ih'  iomaineadh  a'  Chailleach  a  gobhair  agus  a 
caoraich  thairis  air  a'  Conathuil,  bheireadh  i  suas 
iad  gu  tobar  a  bh'  air  muUach  Chruachain.  Bha 
leac  mhor  ri  chur  air  beul  an  tobair  gach  feasgar, 
aig  am  dol  fodha  na  greine.  B'  ann  air  a' 
Chaillich  a  bha  curam  so  a  dheanamh.  Ach 
aon  fheasgar  a  bha  'n  sin,  bha  i  sgith  agus  thuit 
i  'na  cadal  rau  'n  do  chuir  i  an  leac  air  an  tobar. 
Bhruchd  an  t-uisge  suas,  bhris  e  bealach  dha 
fein  agus  thaom  e  sios  'na  thuil  ruadh  air  a' 
chomhnard  gus  an  do  lion  e  Loch  Atha  mar  tha 
e  'n  duigh.  Bha  'Chailleach  Ian  uamhais  'nuair 
a  dhuisg  i,  le  toirm  nan  uisgeachan,  's  a  chunnaic 
i  mar  a  thachair.  Ach  bha  'n  cron  deanta,  agus 
mar  chomharadh  air  firinn  na  sgeoil  tha  Loch 
Atha  an  sid  fhathast. 

Tha  moran  aiteachan  eile  far  am  faighear 
sgeul  air  a'  Chaillich.  Mar  is  bitheanta  tachrar 
oirre  far  am  bheil  clachan  mora  air  mullach 
beinne  no  air  sliabh,  far  am  bheil  tuiltean  a' 
ruith  'nan  caoir  no  tonnan  garbha  a'  bualadh 
cladaich. 


Ann  an  seann  chunntas  na  bliadhna  tha 
iomradh  air  a'  Chaillich. 

Tri  laithean  Gobaig 
Tri  laithean  Feadaig 
Seachduinn  a'  Ghearrain 
Sgarrthaichean  na  Feill  Connain 
Doirionn  na  Feill  Fadruig 
Seachduinii  na  Caillich. 
Ma  tha  'n  Gearran  searbh,  tha  'Chailleach  ni  's 
miosa.     Ann  an  seachduinn  na  Caillich  tha  'n 
latha  buadhachadh  thairis  air  an  oidhche,  's  tha 
am  feur  a'  feuchainn   ri  fas  's  na  luibhean  ri  'n 
cinn  a  thogail.    Cha  chord  so  idir  ris  a'  Chaillich 
agus   le  a    slachdan-draoidheachd   tha   i  'g   am 
bualadh  chum  stad  a  chur  air  fas  is  cinneas. 
Ach  tha  cumhachd  air  cul  a'  chinneis  nach  'eil 
air  cul  slachdan  na  Caillich,  agus  air  cho  cruaidh 
's  gam  buail  i  tha  'm  feur  a'  fas.     Le  farran  thilg 
i  an  slachdan  uaithe  agus  thubhairt  i — 

Dh'  fhag  e  shios  mi,  dh'  fhag  e  shuas  mi, 
Dh'  fhag  e  eadar  mo  dha  chluais  mi ; 
Dh'  fhag  e  thall  mi,  dh'  fhag  e  bhos  mi, 
Dh'  fhag  e  eadar  mo  dha  chois  mi ; 
Tilgeam  so  'am  bun  preas  cuilinn 
Far  nach  fas  feur  no  duilleach. 
A  dh'  aindeoin  na  dheanadh  a'  Chailleach  cha 
b'  urrainn  dhi  stad  a  chur  air  fas  an  fheoir  's  na 
luibhean,  oir  thainig  am  seinn  nan  eun,  's  bha 
ghrian  bhlath  a'  boillsgeadh  a  mach  troimh  na 
neoil     dhubh,     dhorcha,    's     bha    ghaoth     ag 
atharrachadh  calpa  's  a  seideadh  o  'n  iar  's  o  'n 
deas.    Bha  comhstri  eadar  rithe  fein  's  a'  Ghrian, 
ach   ged  a   ghabh  a'  Chailleach  coingheall   de 
thri  laithean  Faoilich,  's  a  lion  i  na  claisean  le 
sneachd  is  uisge,    b'  fheudar   dhi    toirt  thairis 
agus  aideachadh  gu  'm  b'  e  'Ghrian  a  bu  treise. 

Tha  so  uile  tachairt  air  a'  choigeamh  la 
fichead  de  'n  Mhairt.  B'  e  sin  ceud  latha  na 
Bliadhna  anns  na  linntean  a  chaidh  seachad,  oir 
b'  ann  o  'n  latha  sin  a  bha  'n  solus  a'  faotainn 
lamh  an  uachdar  air  an  dorchadas  's  a  bha 
blaths  is  cinneas  a'  faotainn  lamh  an  uachdar 
air  fuachd  is  marbhantachd  a'  gheamhraidh. 
Theirear  anns  a'  Bheurla  Old  Lady  Day  ris  a' 
choigeamh  la  fichead  de  'n  Mhart  gus  an  latha 
diugh. 

A'  bheil  sibh  a  nis  a  tuigsinn  co  i  a'  Chailleach 
a  tha  tigh'nn  oirnn  a  criochan  reodhta  an  Taobh 
tuath,  a  tha  toirt  leatha  treudan  uamhasach  'na 
deigh,  's  a  tha  cath  gu  laidir  an  aghaidh  fas  is 
cinneas  ?  Co  i  ach  an  Aimsir,  an  t-seann 
Bhliadhna !  Is  iad  treudan  na  Caillich  neoil 
dhorch'  a'  gheamhraidh,  tuiltean  nan  gleann, 
agus  tonnan  caoir  gheal  na  mara  a  briseadh  air 
na  creagan.  'Nuair  a  tha  Cailleach  Bheur  a' 
teicheadh  air  falbh  air  a  steud-each  is  e  a  Mac, 
a'  Ghrian,  a  tha  cur  na  ruaig  oirre,  agus  tha  am 
mac  a'  deanamh  sin  air  a  mhathair  a  chionn 
gu  'n  robh  ise  cruaidh  air  a'  bhean  dig  (an 
t-EarracJi)  a  phos  esan. 


36 


Ann  am  beul  aithris  an  t-sluaigh  air  Cailleach 
Bheur  tha  cosmhalachd  aillidh  againn  a  chaidh 
a  chur  an  eagaibh  a  cheile  le  ar-n  athraichean 
glic  anns  na  linntean  anns  nach  robh  leabhraich- 
ean  aca,  no  feilleirean  no  doigh  eile  air  cuimhne 
chumail  air  aimsirean  na  bliadhna.  Is  iomadh 
uair,  gu  sonruichte  an  am  an  Earraich,  a  bhithinn 
a'  beachdachadh  air  sgeul  na  Caillich,  agus  bha 
longantas  mor  orm  ciod  a  bha  i  'ciallachadh. 
Ach  thachair  dhomh  uaireigin  a  bhi  an  duthaich 
Roumania  air  Latha  na  Caillich,  agus  thuirt  mi 
ri  neach  a  bha  's  an  tigh,  neach  a  rugadh  'sa 
thogadh  an  rioghachd  nan  Hunnach,  "  Anns  an 
duthaich  as  ai.  d'  thainig  mise  their  sinn  Latha 
na  Caillich  ris  an  latha  so."  " 'Se  sin  an  t-ainm 
a  th'  againn  air  cuideachd,"  ars'  ise.  "Tha 
seann  sgeul  againne  uime,"  arsa  mise.  "  Tha 
agus  againne,"  fhreagair  i.  "  An  cual  thu 
iomradh  air  tri  laithean  coinghill  a  Februari'," 
arsa  mis'.  "  Chual,"  ars'  ise.  Dh'  iarr  mi  oirr' 
an  sgeul  innseadh  dhomh,  agus  is  e  so  i  facal 
air  fhacal. 

"  Uair  a  bha  'n  sin,  bha  ochd  buidsichean 
mora  ann  fo  riaghladh  buidrich  a  bu  chumhach- 
daiche  no  each.  Bha  'bhuidseach  mhor  so 
frionasach,  gruamach  ri  bean  6g  a  mic  agus  cho 
cruaidh  oirre  's  nach  mor  gu  'm  b'urrainn  do  'n 
te  6ig  a  bhi  beo  leatha.  Latha  de  na  laithean 
chuir  an  t-seann  bhaoth  a'  bhean  bg  do'  n  allt  le 
marchann  caora  dhonn,  a  bha  ri  'nigheadh 
geal.  Bha  a'  bhean  6g  thruagh  a'  nigheadh  a' 
mharchainn  's  an  allt,  agus  a  deoir  a'  sileadh  gu 
frasach,  'nuair  a  thainig  an  Geamhradh  aosda 
seachad,  agus  air  faicinn  dha  gu  'n  robh  i  a'  gul, 
dh'  f  heoraich  e  dhith  ciod  a  bha  'cur  dragh  oirre. 
Dh'  innis  i  dha  mar  a  bha,  's  thuirt  i  gu  robh 
eagal  oirre  tilleadh  dhachaidh  a  chionn  nach 
b'  urrainn  dhi  am  marchann  a  dheanamh  geal. 
Thoir  dhomhs'  e,  ars'  an  Geamhradh,  agus  ni 
mise  geal  e.  Thug  i  dha  e  agus  cha  b'  fhada 
gus  an  do  rinn  e  geal  e.  Le  aon  laimh  shin  e 
dhi  am  marchann  agus  leis  an  laimh  eile  thug  e 
dhi  Ian  an  duirn  de  na  fluraichean  boidheach 
gorm  ris  an  abrar  b/iiorek,  na  ceud  bhlaithean  a 
nochdas  an  cinn  troimh  an  t-sneachd  anns  an 
earrach.  Till  dhachaidh,  ars'  an  Geamhradh, 
thoir  am  marchann  air  ais  do  d'  mhathair-cheile, 
agus  ma  their  i  facal  riut  nochd  na  blaithean  so 
dhi  agus  abair,  "Tha  na  blaithean  a  tigh'nn  a 
mach  air  an  t-shabh."  B'  ann  mar  sid  a  bha. 
Dh'  fhalbh  a'  bhean  bg  dhachaidh,  thug  i  am 
marchann  d'  a  mathair-cheile  leis  an  aon  laimh 
agus  leis  an  laimh  eile  nochd  i  dhith  na  blaithean 
ag  radh,  "Tha  na  blaithean  a  tigh'nn  a  mach 
air  an  t-shabh."  Dh'  eirich  a  bhuidseach  mhor 
le  colg  eagallach ;  ghairm  i  a  h  ochd  bana- 
chorapanaich  agus  dh'  fhalbh  iad,  a'  marcachd 
air  an  gobhair  bhana,  a  chumail  fodha  fas. 
Fhuair  iad  coingheall  tri  laithean  o  Februari, 
sheid  a  ghaoth,  shil  an  t-uisge  agus  bha  cur  is 


caitheadh  ann.  Ach  cha  deachaidh  leo.  Bhoillsg 
a'  ghrian  a  mach,  sheid  anail  bhlath  na  gaoithe 
as  an  iar  agus  b'  fheudar  do  na  buidsichean 
teicheadh.  Chaidh  an  tionndadh  gu  cloich,  agus 
tha  iad  an  sin  fhathast  'nan  suidhe  air  na 
gobhair  bhana  air  mullach  Beinn  Silais  lamh  ri 
Tenesbhar.  Cha  'n  'eil  bliadhna  nach  sil  an 
deoir  gu  frasach,  air  co-ainm  an  latha  air  an  do 
ruagadh  iad,  an  coigeamh  la  fichead  de  'n 
Mhairt." 

B'  e  so  an  sgeul  agus  'nuair  a  chriochnaich  i 
dh'  fheoraich  mi,  co  iad  na  naoi  buidsichean  ?■ 
"  Nach  'eil,"  ars'  ise,  "  na  naoi  miosachan  a  tha 
toirt  comhdach  ur  air  aghaidh  na  talmhainn,  a' 
toirt  a  mach  nam  blaithean 's  an  t-samhradh, 
agus  a'  toirt  toraidh  anns  an  fhoghar.  Saoil 
nach  anabarach  a'  chumhachd  a  bheir  sin  mu  'n 
cuairt." 

Chunnaic  mi  gu  'm  b'  e  so  an  iuchair  a 
dh'  fhosgladh  dhomh  lanachd  brigh  na  seann 
sgeil  air  an  robh  mi  cho  eolach  am  measg  tuath 
na  Gaidhealtachd.  Thuig  mi  an  la  ud  co  i 
Cailleach  Bheur.  Tha  moran  tuilleadh  a 
dh'  fhaodainn  innseadh,  ach  thug  mi  dhuibh  a' 
chuid  a  's  f  hearr  agus  is  leoir  e  an  trath  so. 

K.  W.  G. 


LAOIDH. 


Mi  'g  imeachd  seachad  neo-shunndach, 

Gle  dhliJth  do  na  h-uaighean, 
Mi  gu  tosdachd  ann  am  aonar, 

'S  mo  smaointean  gld  luaineach, 
A'  gabhail  beachd  air  an  t-saoghal    ■ 

Le  caochladh  gach  uair  air  ; 
Mar  chithear  al  an  deigh  ail 

'S  iad  a'  fagail  gu  luath  as. 

Iad  air  an  astar  gu  siubhlach 

Chum  duthaich  is  buaine, 
'S  am  mealar  samhradh  gun  gheamhradb, 

'S  grian  shoillseach  gun  dubhar; 
Cha  ruig  orr'  trioblaidean  craiteach, 

Trom  amhghar  no  buaireadh  ; 
Am  feasd  cha  dealaich  na  cairdean, 

'S  am  bas  cha  toir  buaidh  orr'. 

Bi  'dh  iad  an  cuideachd  nan  ainglean, 

'S  a  Bhean-bhainnse  dol  suas  leo, 
'G  an  toirt  dhachaidh  chum  na  luchairt, 

'S  cha  chunntar  an  sluagh  ann ; 
Is  seinnear  moladh  gu  brath  leo 

Do  'n  t-Slanuighear  bhuadhach  ; — 
An  Ti  a  dh'  fhuiling  'n  an  aite, 

'S  e  dh'  f hailtich  a  suas'  iad. 

Anna  Chamaran. 
Aird-nam-murchann,  1909. 


Air    10. 


1909. 


LUCAS. 
Lucas,  an  high  gradhach.     Colos.  iv.,  14. 


Ann  an  Gniomharan  nan  Abstol  tha  'n  t-ughdair 
a'  toirt  iomraidh  air  sealladh  no  aisling  a  chunn- 
aic  Pol  ann  an  Troas.  Chunnacas  leis  duine 
araidh  o  Mhacedonia  a  thuirt  ris,  Thig  thairis 
gu  Macedonia  agus  cuidich  leinn.  Tha  cuid 
a  dhiadhairean  am  beachd  gu'm  b'e  Lucas  an 
duin'  o  Mhacedonia.  'Nuair  a  thainig  Pol  gu 
Troas  bha  a  ann  an  iomachomhairle  clod  an 
taobh  an  rachadh  e  a  shearmonachadh  an  t- 
soisgeil.  Bha  e  a'  feitheamh  ri  comharadh  air 
chor-eigin  fhaotainn  o'n  Spiorad.  Am  feadh  'sa 
bha  e  eadar  dha  bharail  thachair  Lucas  air. 
Dh'  innis  Pol  dha  mar  a  bha.  Thuirt  e  gu'n 
robh  'n  dorus  air  a  dhunadh  air  's  an  Asia,  ach 
nach  do  rinn  e  suas  inntinn  fhathast  ciod  an 
taobh  eir  an  tionndadh  e.  Ghabh  Lucas  an 
cothrom,  agus  chuir  e  facal  a  stigh  airson  a 
dhuthcha  fein.  Dh'  innis  e  mu'n  dorchadas  anns 
an  robh  sluagh  na  Roinn-Eorpa,  agus  chomh- 
airlich  e  do'n  Abstol  dol  thuca  chum  an  cosnadh 
do  Chriosd.  Bha  Lucas  e  fein  air  iompachadh 
beagan  roimhe  so,  agus  bha  iarrtus  aige  gu'm 
faigheadh  na  cinnich  d'am  buineadh  e  beann- 
achdan  an  t-soisgeil  mar  an  ceudna.  Rinn 
briathran  Lucais  drughadh  air  inntinn  an  Abstoil, 
agus  an  deigh  dha  dol  a  luidhe  chunnaic  e 
bruadar.  Thainig  na  smuaintean  's  na  facail  a 
chual  e  anns  an  latha  air  an  ais  ann  an  aisling 
na  h-oidhche.  Chunnaic  e  m'a  choinneamh 
fear  a  mhuinntir  na  Roinn  Eorpa  ag  asluchadh 
air  tigh'nn  'g  an  cuideachadh.  Ghabh  Pol  am 
bruadar  no'n  sealladh  ud  mar  chomharadh  gu'n 
robh  an  Spiorad  'ga  ghairm  do  na  cearnaibh  d'an 
do  chomhairlich  Lucas  dha  dol,  agus  air  ball 
ghabh  e  long  o  Throas  agus  chaidh  e  thairis  do 
Mhacedonia. 

Ann  a  bhi  tionndadh  aire  Ph6il  ris  an  Roinn- 
Eorpa  rinn  Lucas  an  obair  latha  a  b'  f hearr  a 
rinn  e  riamh,  agus  tha  an  saoghal  uiie  'na 
chomain.  Bha  e  ag  ullachadh  na  slighe  do 
neach  a  bu  mhotha  no  e  fein  agus  a'  deanamh 
a  cheumanna  direach. 

Cha  'n  aithne  dhuinn  moran  mu  bheatha 
Lucais.  'Nuair  a  bha  e  og,  dh'  ionnsaich  e  an 
dotaireachd.  Bha  gaol  mor  aig  Pol  air,  oir  tha 
e  labhairt  uime  mar  an  lighiche  gradhach,  agus 
tha  cuid  'am  beachd  gur  h-ann  mu  I,ucas  a  tha 
Pol  ag  radh  ann  an  2  Cor.  viii.,  18,  am  brathair 


a  tha  a  chliu  'san  t-soisgeul  air  feadh  nan  eaglais- 
ean  uile.  Bha  e  'na  chompanach  aig  Pol  air  da 
thurus  soisgeulach,  agus  cha  'n  e  mhain  gu  robh 
uigh  aige  anns  an  obair  a  bha  'n  t-Abstol  a' 
deanamh,  ach  choisrig  e  a  bheatha  chum  an 
obair  sin  a  chuideachadh.  Ciamar  a  thainig  e 
gu  eolas  na  firinn  cha  'n  urrainnear  a  radh. 
Faodaidh  gu  robh  e  air  iompachadh  m'  an  do 
thachair  e  riamh  air  Pol,  oir  cha'n  'eilan  t-abstol 
a'  labhairt  uime  mar  mhac  anns  a'  chreidimh 
mar  tha  e  labhairt  mu  Thimoteus  agus  mu 
Thitus. 

'Nuair  a  bha  Pol  ann  an  Troas,  cha  robh  e 
idir  ann  an  deagh  shlainte.  Bha  shuilean  a'  cur 
dragh  air.  Air  a  thurus  do  Ghalatia  fhuair  e 
anacothrom  is  sarurachadh  a  mhill  a  bhodhig. 
Cha  robh  bodhig  Phbil  ro  laidir  air  a  feabhas, 
ach  ged  a  bha  fheoil  anfhann  bha  spiorad  toil- 
each  agus  thug  e  obair  aisde  a  mhilleadh  bodhig 
a  b'  fhearr.  "  Ghabhadh  le  slataibh  orm  tri 
uairean,  chlachadh  mi  aon  uair,  dh'  fhuiling  mi 
long  bhriseadh  tri  uairean,  la  agus  oidhche  bha 
mi  'san  doimhne,  ann  an  turusaibh  gu  minic, 
ann  an  gabhadh  aimhnichean,  ann  an  cunnart- 
aibh  fhear-reubainn,  ann  an  cunnartaibh  o  na 
Cinnich,  ann  an  cunnartaibh  'san  fhairge,  ann 
an  saothair  agus  sgios,  ann  an  acras  agus  tart, 
am  fairibh  gu  minic,  an  trasgaibh  gu  minic,  am 
fuachd  agus  an  lomnochduidh.''  Cha  'n  'eil 
iongantas  ged  a  bhris  air  a  shlainte,  's  ged  a  bha 
e  giulan  gu  latha  'bhais  comharan  an  Tighearn 
losa  'na  chorp  Tha  e  gle  choltach  gu'n  do 
bhruidhinn  Pol  ri  Lucas  m'a  shuilean  'nuair  a 
thachair  iad  air  a  cheile  ann  an  Troas,  agus 
faodaidh  gu'm  faca  an  'lighiche  gradhach'  nach 
robh  doigh  eile  anns  am  b'  fhearr  a  b'  urrainn  e 
aobhar  an  t-soisgeil  a  chuideachadh  no  Pol  a 
leantainn,  agus  curam  a  ghabhail  d'a  shlainte  air 
a  thurusan  soisgeulach.  Co  dhiu,  is  e  sin  a  rinn 
e.  Dh'  fhag  e  Troas  maille  ri  Pol,  agus  dh' 
fhan  e  maille  ris  gus  an  do  chuir  am  bas  deal- 
achadh  eatorra.  Anns  an  litir  mu  dheireadh  a 
sgriobh  an  t-Abstol,  'nuair  a  bha  e  am  priosan 
'san  Roimh  is  binn  a  bhais  dluth,  tha  e  'g  radh, 
Tha  Lucas  '?ia  aonar  maille  riiim.  Threig  each 
e,  fear  as  deigh  fir,  agus  dh'  fhag  iad  e  am  beul 
a  naimhdean.  Threig  Dam  s  e  air  ghradh  an  t- 
saoghail,  ach  bha  an  lighiche  gaolach  dileas  agus 
cha  dealaicheadh  e  r'a  mhaighstir. 

An   deigh  bas  Phoil  chuir  Lucas  an  ordugh 
cunntas  air  fas  na  h-eaglais,  's  air  beath'  is  saoth- 


38 


air  Ph6il.  Sgriobh  e  mar  an  ceudna,  an  soisgeul 
a  th'air  ainmeachadh  air.  Le  pheann  thog  e 
carragh  chuimhne  dha  fein  a  chumas  'ainm  beo 
gu  brath.  Ged  tha  e  marbh  tha  e  fathast  a' 
labhairt  anns  an  da  leabhar  a  sgriobh  e,  Gniomh- 
aran  nan  Afisfi?/  agus  an  treas  Soisgeul. 

Sgriobh  Lucas  pairt  a's  niotha  de'n  Tiomnadh 
Nuadh  na  sgriobh  duin'  eile,  agus  tuigear  ciod  a 
tha  'n  crochadh  ri  fhacal  'nuair  a  chuimhnich- 
■ear  gur  h-ann  air  an  Tiomnadh  Nuadh  a  tha  'n 
■Creidimh  Criosduidh  air  a  steidheachadh.  Is 
esan  an  fhianuis  a's  fhearr  a  th'  againn  mu 
nithean  a  thachair  ann  an  beatha  Chriosd  air 
thalamh,  agus  mu  eachdraidh  ria  h-eaglais  anns 
a'  cheud  linn.  Mur  b'e  an  cunntas  a  tha  e  toirt 
dhuinn  air  na  nithean  sin,  bhiodh  an  dorrhadas 
anabarach  tiugh.  Tha  e  tigh'nn  thairis  air  iom- 
adh  ni  a  tha  cur  solus  air  nadur  is  obair  Chriosd 
air  nach  d'  thug  each  iomradh.  Nan  d'  fhan  e 
samhach,  bhiodh  moran  de'n  t-saoibhreas  a  th' 
againn  anns  na  Sgriobturibh  air  chall,  agus  cha 
bhiodh  an  fhianuis  a  th'air  taobh  a'  Chreidimh 
Chriosduidh  cho  laidir  'sa  tha  i.  Air  a'  chuis  so 
cha  'n  urrainnear  a  radh  ach  gur  he  Dia  a  chuir 
ann  an  cridhe  Lucais,  a  bha  'na  dhuine  fogh- 
luimichte,  creideasach,  turail,  leabhraichean  a 
sgriobhadh  chum  gu'm  faigheadh  na  creidmhich 
a  thigeadh  'na  dheigh  fios  cinnteach  air  na 
nithean  anns  an  deachaidh  an  teagasg. 

Ciamar  a  fhuair  an  duine  so  am  fiosrachadh  a 
tha  e  toirt  dhuinn  anns  na  leabhraichean  a 
sgriobh  e?  Tha  e  furasda  gu  leor  a  thuigsinn 
•ciamar  a  b'  aithne  dha  mu  bheatha  's  mu  obair 
Phoil,  oir  bha  e  'na  chompanach  aig  an  abstol 
air  a  thurusan  soisgeulach.  Ach  ciamar  a  fhuair 
€  greim  air  eachdraidh  beatha,  's  air  teagasg 
Chriosd?  Bhasaich  Criosd  m'an  d'  thainig 
Lucas  gu  ire  duine.  Cha  'n  fhac  e  Criosd 
riamh,  's  cha  chual  e  a  theagasg.  Cha  b'  ludh- 
ach  e,  's  cha  robh  e  a  dh'  aireamh  nan  Abstol. 
Ciamar,  mata,  a  fhuair  e  an  t-eolas  a  bh'  aige  ? 
Fhuair,  ann  an  tomhas,  o  Phbl  's  o  chairdean. 
Ged  nach  faca  's  nach  cuala  Pol  Criosd  riamh 
ann  an  laithean  fheola,  b'  aithne  dha  moran 
dhaoin'  a  bha  maille  ris  ann  an  Galile  's  ann  an 
lerusalem,  agus  cha  'n  'eil  teagamh  nach  do  rinn 
e  Lucas  aithnichte  dhaibh  sin,  chum  gu'n  inn- 
seadh  iad  dha  mu  na  gniomharan  a  rinn  losa  's 
na  briathran  a  labhair  e.  Bha  Lucas  is  Marc 
comhla  anns  an  Roimh  'nuair  a  bha  Marc,  fo 
sheoladh  Pheadair,  a'  cur  ri  cheile  an  leabhair  a 
sgriobh  e  fein,  agus  cha  'n  'eil  teagamh  nach  d' 
fhuair  Lucas  fiosrachadh  o  Mharc.  'Nuair  a  bha 
Lucas  da  bhliadhna  maille  ri  Pol  ann  an 
Caesarea,  fhuair  e  cothrom  air  dol  a  Ghalile 
agus  seann  daoin'  a  cheasnachadh  mu  na  nithean 
a  thachair  'nam  measg  bliadhnachan  roimhe  sin 
Tha  e  air  a  radh  mar  an  ceudna  gur  h-ann  o 
chairdean  Muire  a  fhuair  Lucas  an  cunntas  a 
tha  e  toirt  air  breith  an  t-Slanuigheir  's  air  nith- 


ean diomhair  eile  air  nach  robh  eolas  aig  each. 
Faodaidh  gu'n  d'  fhag  ise  as  a  deigh  cunntas 
"air  na  nithean  a  thaisg  i  'na  cridhe''  cho  fad 
's  a  bha  losa  air  thalamh,  agus  gu'm  fac'  a  caird- 
ean  iomchuidh  an  cunntas  sin  a  chur  an  lamhan 
an  lighiche  ghaolaich  'nuair  a  thoisich  e  air  an  t- 
soisgeul  a  sgriobhadh.  Cha  b'  urrainn  dhaibh  a 
chur  ann  an  lamhan  a  b'  fhearr.  Ach  a  thuill- 
eadh  air  sin,  bha  co-chruinneachadh  de  ghniomh- 
aran  's  de  bhriathran  Chriosd  air  beulaobh 
Lucais  'nuair  a  sgriobh  e  a  leabhar  fein.  Cha 
ghabh  an  seann  cho-chruinneachadh  sin  faotainn 
an  diugh,  oir  chailleadh  e.  'Nuair  a  bha  Criosd 
air  thalamh  cha  do  sgriobh  e  aon  fhacal  d'a 
theagasg,  's  cha  mho  sgriobh  na  h-abstoil.  Am 
feadh  'sa  bha  e  maille  riu  cha  do  smaointich  iad 
air  sin  e  dheanamh  oir  cha  d'  fhairich  iad  gu 
robh  feum  sam  bith  air.  An  deigh  dha  am 
fagail  bha  theagasg  air  a  ghleidheadh  air 
chuimhne  le  beul  aithris  na  h-eaglais.  Ach 
'nuair  a  bha  deisciobul  as  deigh  deisciobuil  a' 
basachadh,  's  a  bha  'n  aireamh  a  chual  e  le'n 
cluasan  a'  fas  beag,  chunnaic  an  eaglais  gu'm 
feumadh  i  seol  air  chor-eigin  a  dheanamh  los 
cuimhn'  a  chumail  air  a  bheatha  's  los  teagasg 
cinnteach  a  thoirt  do  na  creidmhich  bga  a  bha 
'g  eiridh  suas.  Bha  'n  eaglais  a'  fas,  's  bha  sois- 
geulachaichean  a'  dol  a  shearmonachadh  do 
dhuthchannan  nach  cuala  iomradh  riamh  air 
losa,  's  air  an  aobhar  sin  bha  e  feumail  gu'm 
biodh  co-chruinneachadh  air  a  dheanamh  d'a 
ghniomharan  's  d'a  theagasg  airson  an  luchd 
searmonachaidh.  Rinneadh  sin  am  feadh  'sa 
bha  na  ceud  chreidmhich  a  lathair,  ach  cha  'n 
'eil  gin  de  na  duilleagan  sin  air  sgeul  an  diugh. 
Ach  faodaidh  e  bhi  nach  do  chailleadh  moran 
oir  bha  an  seann  soisgeul  sin  air  beulaobh 
Lucais  's  air  beulaobh  na  feadhnach  eile  'nuair 
a  chuir  iad  ri  cheile  na  soisgeulan  a  th'againn 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh.  Dh'  fhaodteadh 
earbsadh  ri  Lucas  gu'n  tugadh  e  as  na  b'  fhiach 
a  thoirt  as. 

Thuirt  diadhair  araidh  nach  'eil  leabhar  anns 
an  t  saoghal  cho  maiseach  ri  soisgeul  Lucais, 
eadhoin  mar  litreachas.  Cha  ruigear  a  leas  coire 
fhaotainn  do'n  fhacal,  'nuair  a  chuimhnicheas 
sinn  gur  h-ann  'san  t-soisgeul  so  a  mhain  a 
leughar  laoidhean  molaidh  Elisabet  is  Muire  is 
Shimeon,  oran  nan  ainglean  aig  teachd  an  t- 
Slanuigheir,  cosmhalachd  a  mhic  strodhail  is  na 
caora  chaillte,  cosmhalachd  an  t-Samaritanaich 
chaoimh  agus  cosmhalachd  an  Pharasaich  's  a' 
chis  mhaoir.  Cha  'n  'eil  a  h-aon  de  na  soisgeul- 
aichean  a  tha  cur  uiread  cudthroim  air  caomhal- 
achd  cridhe  is  farsuingeachd  inntinn  Chriosd  's 
a  tha  Lucas  a'  deanamh.  Bha  e  fein  gu  nadurra 
'na  dhuine  caomhal  blath-chridheach,  agus  bha 
e  cuideachd  'na  dhuine  foghluimichte  aig  an 
robh  farsuingeachd  inntinn  nach  robh  aig  na  h- 
ludhaich.    Bha  iadsan  gu  maith  cumhann,  agus 


39 


dhuraichdeadh  iad  Criosd  a  dheanamh  cho 
cumhann  riutha  fhein,  Slanuighear  nan  ludhach 
a  dheanamh  dheth,  's  cha  'n  e,  Slaiiuighear  an 
t-saoghail.  Ach  cha  b'  e  sin  do  Lucas.  Cha 
robh  cumhannachd  sam  bith  ann  gu  nadurra, 
agus  air  dha  bhi  moran  bhliadhnachan  fo 
theagasg  Phbil  a  thug  seachad  a  bheatha  chum 
soisgeul  nan  saor  ghras  a  shearmonachadh  do  na 
Cinnich  cho  mhaith  ris  na  h-Iudhaich,  agus 
dhaihhsan  a  bha  'nan  coigrich  do  choimhchean- 
glaibh  a'  gheallaidh  cho  mhaith  ri  comh-fhlaith- 
eachd  Israeil,  fhuair  e  eolais  air  farsuingeachd 
gras  Dhe.  Thuig  e  nach  h-ann  a  thearnadh  nan 
ludhach  a  mhain  a  thainig  Criosd  ach  a  shireadh 
nan  uile  a  bha  caillte.  Is  e  Lucas  a  chum  air 
chuimhne  'na  leabhar  na  briathran  a  bu  chaomh- 
aile  a  labhair  Criosd,  agus  air  an  aobhar  sin  tha 
an  soisgeul  a  sgriobh  e  'na  dheagh  sgeul  mar 
aoibhneis  do  na  h-uile  dhaoine.  Is  e  diadhachd 
is  moralachd(Z\\x\o%A  ceann  teagaisg  Eoin,ach  is  e 
truacantachd\%  cai7im/ineas  Chriosd  ceann  teagaisg 
Lucais.  Cha  'n  e  da  dhealbh  a  tha  iad  a'  toirt 
dhuinn,  ach  da  thaobh  an  aon  deilbh.  Tha 
Criosd  e  fein  ni's  motha  no  gu'n  gabh  e  tomhas. 
Cha  chuartaich  aon  inntinn  e  's  cha  'n  fhaic  aon 
suil  e  'na  iomlanachd.  Tha  leud  is  doimhn'  is 
farsuingeachd  ann  nach  rannsaich  duine  beo. 
Chunnaic  Eoin  aon  ghloir  agus  chunnaic  Lucas 
gloir  eile,  ach  is  ann  o'n  aon  phearsa  a  bha 
'ghloir  a'  dealrachadh. 


M.\DAINN  IS   FEASGAR. 


Bu  mhaith  leinn  cunntas  goirid  a  thoirt  air  da 
laoidh  a  tha  freagarrach  gu  bhi  air  an  seinu  aig 
aoradh  maidne  is  feasgair.  Tha  e  iomchuidh 
gu  'm  moladh  daoine  JDia.  anns  a'  mhaduinn 
airson  fois  na  h-oidhche,  agus  gu  'n  iarradh  iad  a 
stiuradh  agus  a  bheannachd  m'an  toisich  iad  air 
obair  an  latha,  agus  cha  'n  urrainn  iad  sin  a 
dheanamh  ann  am  briathran  a 's  fhearr  no  'n 
t-oran  maidne  a  rinn  an  t-Easbuig  Tomas  Ken. 

O  m'  anam,  duisg,  is  leis  a'  ghrein, 
Imich  air  sligh'  do  dheasnais  fein; 
Mosgail  o  t'  airtneul,  's  tairg  le  gradh 
An  iobairt  mhaidne  do'n  Ti  a's  aird. 

Gach  cliu  do  Dhia  a  ghleidh  mi  slan, 
'S  a  dh'  iiraich  mi  le  fois  is  tamh  ; 
Deonaich  o'n  uir  'nuair  dh' eireas  mi 
Beatha  gun  chrich  an  riogh'chd  na  sith. 

Dh'  iocainn  as  iir  mo  bhbid  dhuit  fein  : 
Fuadaich  mo  chionnt  mar  dhruchd  roi'n  ghrein ; 
Mo  smuaintean  stiuir  is  gleidh  mo  chri, 
'S  le  d' laithreachd  fein,  O,  sasuich  mi. 


Na  labhras  mi  's  na  thig  am  bheachd, 
Stiuir  thus'  an  diugh  an  geill  do  d'  reachd, 
'S  gu  'n  tugainn  dhuit-sa,  mar  is  c6ir, 
Le  m'  thoil  's  le  m'  chridhe  cliu  is  gloir. 

Thugaibh  cliu  do  Dhia  na  gloir, 

Thugaibh  cliu  dha  uile  shloigh, 

Molaibh  air  neamh,  O  aingle  caomh 

An  t-Athair,  am  Mac,  's  an  Spiorad  Naorah. 

Tha  da  cheud  bliadhn'  ach  a  dha  o  chaochail 
am  bard  a  sgriobh  an  laoidh  so.  Bha  e  'na 
shearmonaiche  ainmeil  'na  linn ;  sgriobh  e  moran 
leabhraichean  agus  ghiulain  e  teas  is  uallach  an 
latha  anns  an  Eaglais  'nuair  nach  robh  moran 
beatha  no  diadhaidheachd  innte,  ach  ged  nach 
'eil  iomradh  an  diugh  air  a  leabhraichean  no  air 
'orbrichean  eile,  tha  an  laoidh  bheag  so  'na 
carragh  chuimhne  nach  leig  le  'ainm  bar.achadh. 
Tha  neo-bhasmhorachd  aig  na  baird  nach  'eil  aig 
daoin'  eile. 

Rinn  Tomas  Ken  an  laoidh  so  air  son  te  de 
na  sgoilean  mora  a  th'  ann  an  Sasunn,  's  bha  i 
air  a  sgriobhadh  air  ballachan  an  t-seomair  anns 
am  biodh  na  balaich  a'  cadal.  Thug  e  dhaibh 
a' chomhairle  so  leatha — "Seinnibh,  a  dhaoin' 
oga,  an  laoidh  so  anns  a'  mhaduinn  agus  an 
laoidh  eil'  anns  an  fheasgar,  oir  tha  an  Salmadair 
ag  radh  gur  ceart  caoimhneas  graidh  an  Tighearn 
a  nochdadh  air  mhadainn  agus  fhirinn  anns  an 
oidhche."  Cha  ruigear  a  leas  eachdraidh  a 
bheath'  innseadh,  ach  tha  aon  ni  air  am  faod 
sinn  tigh'nn  thairis,  a  chionn  gu  bheil  e  noch- 
dadh ciod  an  seorsa  duin'  a  bh'  ann.  Bha  e  cho 
neo-eiseimeileach  's  a  bha  e  diadhaidh.  Ged  a 
bha  taobh  aig  an  teaghlach  rioghail  ris  airson 
geiread  'inntinn  is  cumhachd  a  shearmonachaidh, 
cha  b'  urrainn  do  Righ  no  do  chuirt  a  bheul  a 
dhunadh,  no  stad  a  chur  air  ann  a  bhi  togail 
fianuis  an  aghaidh  aingidheachd  spioradail  ann 
an  lonadaibh  arda.  'Nuair  chaidh  an  righ  air 
thurus  gu  Winchester  chuir  e  fios  thuige  gu  'n 
rachadh  e  air  aoidheachd  d'a  thigh  ;  ach  air  do'n 
duine  bheusach  a  chluinntinn  gu  'n  robh  'n  righ 
a'  toirt  leis  gaorsach  bheag-narach  nach  bu  bhean 
dha,  thuirt  e  ris  suil  m'an  t-sroin  rathad  eile 
ghabhail.  Cha  do  chord  an  rud  ris  an  righ  aig 
an  am,  ach  'nuair  a  bha  Easbuig  iir  ri  chur  a 
stigh  ann  am  Bath,  thuirt  e  ris  a'  Chomhairle, 
"Thoiribh  an  t-aite  do  'n  fhear  bheag  nach 
d'tugadh  fasgadh  do  Nell."  'Nuair  a  bha  'n  righ 
air  leabaidh  a  bhais,  b'  e  Tomas  Ken  am 
ministear  a  bh'  air  iarraidh  chum  frithealaidh  dha. 

Ged  nach  'eil  a'  bhardachd  's  an  diadhaidh- 
eachd a'  pogadh  beul  ri  beul  daonnan,  is  maith 
leinn  a  chreidsinn  gu  robh  na  feadhainn  a  rinn 
na  laoidhean  a's  docha  Jeinn  cho  glan  'am  beatha 
's  a  bha  iad  cho  binn  'an  ceol. 

Am  measg  na  laoidhean  feasgair  cha  'n  'eil  a 
h-aon  a's  taitniche  na  i  so : — 


40 


A  Shlan'gheir  ghraidh,  mo  ghrian  is  tu  ! 
Cha  'n  oidhch'  ach  la  'nuair  bhios  tu  dluth  ; 
Na  h-eireadh  neula,  talmhaidh,  damh'l, 
Ga  d'  fhalach  mach  o  bheachd  mo  shul. 

'Nuair  thuiteas  dealt  a  chadail  chiuin, 
'S  gu  seimh  mo  rosgan  sgith  gu'n  duin, 
Laidheam  le  solas  Ian  de'n  smuain, 
Gu  brath  bhi  sint'  air  uchd  an  Uain  ! 

Fan  leam  o  mhoch  gu  laidhe  grein' 
Cha  bhi  mi  beo  as  d'  eugmhais  fein  ; 
Fan  leam  'nuair  bhios  an  oidhch'  a'  fas 
As  d'  eugmhais,  O  na  faigheam  bas. 

Aon  leanabh  seachrain,  bochd  an  diugh, 
Ma  chuir,  le  tarcuis,  cut  ri  d'  ghuth, 
'Na  anam  toisich  obair  ghrais. 
'Ga  dhusgadh  o  chlos  peacaidh  's  bais. 

An  teuslan  fair;  air  bochd  dean  foir, 
Le  beannachdan  neo  ghann  do  st6ir ; 
Biodh  cadal  luchd  a'  bhroin  an  nochd 
Mar  chadal  naoidhein  sheimh  gun  lochd. 

Bi  leinn  'nuair  dh'  fhosglas  sinn  ar  siiil, 
Troimh  'n  t-saogh'l  bi  fein  dhuinn  ad  fhear-iuil, 
Gus  ann  an  cuan  gun  chrich  do  ghraidh 
Am  faighear  sinn  an  Riogh'chd  an  Aigh. 

Cha  robh  ministear  riamh  anns  an  Eaglais 
Shasunnaich  a  bu  choltaiche  ris  na  h-abstoil  no 
Iain  Keble,  ughdair  na  laoidh  so.  Rugadh  e 
ann  an  teaghlach  diadhaidh  agus  choisrig  a 
phatantan  e  do  sheirbhis  an  Ti^hearna  mar 
leanabh.  Thug  e  barr  air  a  cho-aoisean  uile 
ann  am  foghlum,  air  chor  's  gu  'n  deachaidh  cliu 
a  bhuadhan  air  feadh  na  tire  m'an  gann  a  thainig 
e  gu  ire  duine.  'Nuair  a  bha  e  tri  I  liadhna 
fichead  a  dh'  aois,  chuireadh  air  leth  e  airson  na 
ministreileachd  agus  fad  leth  cheud  bliadhna 
bha  e  'na  sholus  dealrach  anns  an  eaglais  d'am 
buineadh  e.  Ach  coltach  ri  Tomas  Ken,  cha  'n 
e  an  obair  mhor  a  rinn  e  anns  an  Eaglais 
Shasunnaich,  no  a  chliu  mar  shearmonaiche  a 
chumas  ainm  air  chuimhne,  ach  a'  bhardachd 
spioradail  a  rinn  e.  Chuir  e  mach  leabhar  ris 
an  abrar,  Stniiaintean  airson  Sabaidean  is 
Laithean  Naoniha  na  bliadhna,  agus  ma 
sheachnar  am  Biobull  's  an  Leabhar  Uirnigh, 
cha 'n 'eil  leabhar  eile  a's  trice  chithear  ann  an 
lamhan  chreidmheach  no'n  leabhar  sin.  Bha,  is 
tha  e  'na  aran  beatha  do  mhoran,  agus  tha 
driichd  na  maidne  air  fhathast. 

Nuair  a  bha  Keble  'na  dhuin'  og,  bha  'n 
Eaglais  Shasunnach  ann  an  droch  staid.  Bha  'n 
sluagh  gun  sgoil,  's  bha  chuid  mhor  de  na 
ministearan  gun  eud.  B'  fhearr  leo  bhi  ruith  a' 
mhadadh  ruaidh,'s  a'tilgeadh  nan  cearcan  tomain 
seach  a  bhi  teagasg  an  treuid.  Ach  cha  b'  ann 
dhiu  sin  Keble.     Chuir  e  roinihe  gu'm  feuchadh 


e  ri  cuisean  a  leasachadh,  agus  chruinnich  e 
mu'n  cuairt  air  daoin'  oga  de'n  aon  inntinn  ris 
fein.  Bha  buaidh  anabarach  aige  thairis  orra, 
agus  chuir  e  siol  'nan  inntinn  a  thug  a  mach 
toradh  mor  ann  an  Sasunn.  Their  cuid  nach 
robh  an  toradh  sin  gu  buannachd  sam  bith  do'n 
eaglais,  's  gu  'n  do  chuir  na  daoin'  ud  air  chois 
cleachdannan  innte  nach  'eil  air  reir  gnaths 
Phrostanach,  ach  co  dhiu  a  tha  sin  fior  no  nach 
'eil,  dhuisg  iad  eud  is  beatha  innte  air  an  robh  i 
gle  fheumail.  Cha  b'  e  neart  a  bhuadhan,  ged  a 
bha  bhuadhan  ard,  a  tharruing  gu  Keble  meas 
is  gradh  dhaoine  ach  a  dhilseachd  's  a  naomh- 
achd.  Bha  bheatha  da  rireadh  foluichte  maille 
ri  Criosd  ann  an  Dia.  Gach  latha  d'a  bheatha 
bha  e  gluasad  maille  ri  Dia.  Dh'  aobharaich  a 
bheachdan  troimh-cheile  anns  an  eaglais,  ach 
bha  e  gu  nadurra  'na  dhuine  ciuin,  gaolach  air 
sith.  Ged  a  bha  na  ceudan  a'  sealltainn  ris  mar 
an  "athair"  ann  an  nithean  spioradail,  's  ag 
iarraidh  a  chomhairle  ann  an  iomaguin  air  bith 
's  am  bitheadh  iad,  cha  robh  barail  mhor  aig'  air 
fhein,  's  bha  irioslachd  'ga  sgeadachadh  mar 
fhalluinn.  Chaochail  e  o  chionn  corr  is  da 
fhichead  bliadhna. 


LAOIDH. 


Mi  'g  imeachd  seachad  neoshunndach, 

Gle  dluth  do  na  h-uaighean. 
Mi  gu  tosdachd  ann  am  aonar, 

'S  mo  smaointean  gle  luaineach, 
A'  gabhail  beachd  air  an  t-saoghal 

Le  caochladh  gach  uair  air; 
Mar  chithear  al  an  deigh  ail 

'S  iad  a'  fagail  gu  luath  as. 

Iad  air  an  astar  gu  siubhlach 

Chum  diithaich  is  buaine, 
'S  am  mealar  samhradh  gun  gheamhradh 

'S  grian  shoillseach  gun  dubhar; 
Cha  ruig  orr'  trioblaidean  craiteach, 

Trom  amhghar  no  buaireadh  ; 
Am  feasd  cha  dealaich  na  cairdean, 

'S  am  bas  cha  toir  buaidh  orr'. 

Bi'dh  iad  an  cuideachd  nan  ainglean, 

'S  a  Bhean-bhainnse  dol  suas  leo. 
'G  an  toirt  dhachaidh  chum  na  luchairt, 

'S  cha  chunntar  an  sluagh  ann^ 
Is  seinnear  moladh  gu  brath  leo 

Do'n  t-Slanuighear  bhuadhach  ;  — 
An  Ti  a  dh'  fhuiling  'n  an  aite, 

'S  E  dh'fhailtich  a  suas  iad. 


Anna  Chamaran. 


Aird-nam-murchann,  1909. 


t 


Air    11. 


1909. 


AN    DUIN'    lONRAIC. 


An  ann  a  7iasgaidh  a  tha 


2/  Dhe  air  lob  ?- 


loB  /.,  g. 


Cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh  ann  am  beagan 
fhacal  ciod  an  fhirinn  shonruichte  a  tha  leabhar 
lob  a'  teagasg.  Tha  e  fosgladh  iomadh  ceist 
nach  'eil  e  fuasgladh.  Tha  e  tarruing  ar-n  aire 
gu  ceisdean  diomhaireach  mu  fhreasdal  Dhe  's 
mu  bheatha  mhic  an  duine  air  nach  h-urrainn 
daoine  turail  gun  a  bhi  smuaineachadh,  ach 
feumar  a  radh  nach  do  chagainn  an  t-ughdar  na 
cnothan  a  chruinnich  e.  Cha  droch  chu  so  air 
an  duine,  oir  tha  e  nochdadh  gu'm  b'  fhearr  leis 
gun  fuasgladh  idir  a  dheanamii  air  ceisdean 
mora  seach  am  fuasgladh  ann  an  doigh  shuarach. 
Is  fearr  leis  an  duine  ghlic  'aineolas  aideachadh 
seach  comhairl'  a  dhorchachadh  le  briathran  gun 
eolas.  Nuair  a  thoisicheas  duin'  air  gleachd  ris 
na  ceisdean  mora  a  bha  cur  dragh  air  ughdair 
an  leabhair  so,  's  a  dh'  fheuchas  e  ris  gach  ni  air 
talamh  is  neamh  a  rannsachadh  le  ghliocas,  tha 
e  'cur  a  choise  an  cuan  nach  d'  fhuaras  a 
dhoimhneachd.  Bheir  gach  ceum  ni's  fhaid'  e 
bho  thainead  na  traghad,  gus  mu  dheireadh 
nach  grunnaich  e,  's  am  buidhe  leis  tilleadh 
gu  tir. 

Cha  'n  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  do  rainig  an 
duine  comasach  a  sgriobh  an  leabhar  so  air 
iomadh  ni  ris  am  faodar  gabhail  mar  fhirinn. 
Bheachd-smuainich  e,  a  la  's  a  dh'  oidhch',  air 
rdintean  Uhe  's  air  ciirs'  an  t-saoghail,  agus  bha 
a  bhreithneachadh  tarbhach  dha  fein,  's  tha 
bhriathran  tarbhach  do  na  ginealan  a  thainig  'na 
dheigh.  Tha  iad  cho  beo  an  diugh  's  a  bha  iad 
an  latha  sgriobh  e  iad,  oir  tha  gliocas  is  firinn, 
mar  na  h-ainglean,  daonnan  6g.  Tha  driuchd 
na  maidne  air  an  aodann,  's  cha  luidh  aois  orra. 
B'e  aon  de  na  ceisdean  a  bha  cur  dragh  air,  An 
e  fei?ieikachd  a's  mathair  aobhair  do  chrabhadh, 
no  an  urraiiin  a7i  duine  Dia  a  ghradhachadh  is 
fireantachd  a  kantuinn  air  an  sgath  fein,  's  cha 
'n  ann  air  sgaih  duaise.  Tha  'n  leabhar  a'  togail 
iomadh  ceisd  a  bharrachd  oirre  so,  ach  faodar 
iad  sin  a  chur  as  an  t  sealladh  an  drasd,  agus 
sealltuinn  air  na  th'  aige  ri  radh  air  a'  chuspair 
so.  Tha  'n  t-ughdar  ag  iarraidh  orrasan  nach 
'eil  a'  creidsinn  ann  an  treibhdhireas  mhic  an 
duine  eisdeachd  ris  an  sgeul  a  th'  aige  ri  inn- 


seadh  mu  fhear  a  mhuinntir  Uis,  d'  am  b'  ainn 
lob. 

Bha  lob  'na  dhuine  direach,  ceart,  air  an  robh 
eagal  Dhe,  agus  a  sheachain  olc.  Chunnaic  Dia 
gu'n  deachaidh  maitheas  is  diadhaidheachd  an 
duine  so  os  cionn  chaich,  agus  air  do  Chomhairle 
Neimh  a  bhi  cruinn  air  latha  sonruichte,  dh' 
fheoraich  e  de  Shatan  (ged  nach  'eil  e  furasd  a 
thuigsinn  ciod  an  gnothuch  a  bh'  aige  san  'na 
leithid  a  dh'  aite)  an  d'  thug  e  fa'near,  'na 
shiubhal  's  'na  imeachd,  lob  air  an  robh  eagal 
Dhe  agus  a  sheachain  olc.  Thuirt  Satan  gu  'm 
b'  aithne  dha  an  duine,  ach  nach  robh  diadh- 
aidheachd lob  cho  domhain  's  a  bha  daoin'  is 
ainglean  a'  saoilsinn.  Thuirt  e  gu  fanoideach 
gu'm  bu  mhaith  a  bha  'n  diadhaidheachd  a' 
paigheadh  do  thuathanach  Uis,  ach  nan  rachadh 
cuisean  saoghalta  'na  aghaidh,  gu'm  mallaich- 
eadh  e  Dia  as  an  aodann.  Feuch  ort,  ma  ta,  a 
Shatain  ;  gabh  do  chothrom  agus  leag  do  lamh 
air  lob,  ach  a  mhain  caomhain  a  chorp.  Ann  an 
aon  latha  thainig  truaighean  air  lob  mar  thuil. 
Chain  e  mhaoin,  a  threudan,  a  sheirbhisich,  's  a 
chlann.  Ach  ged  a  thainig  lom  sgrios  air  a 
chuid  's  air  a  theaghlach,  cha  do  mhallaich  lob 
Dia,  's  cha  do  chuir  e  eucoir  as  a  leth.  'Na  aite 
sin,  thuit  e  sios  air  an  talamh  agus  rinn  e  aoradh 
ag  radh,  Lomnochd  thainig  mi  a  broinn  mo 
mhathar,  agus  lomnochd  pillidh  mi  an  sin,  thug 
an  Tighearn  uaith  agus  thug  an  Tighearn  leis  ;, 
beannaichte  gu  robh  ainm  an  Tighearn. 

Air  do  Chomhairle  Neimh  a  bhi  cruinn  an 
dara  uair,  nochd  Satan  e  fein  an  lathair  Dhe  a 
rithist.  Dh'  fheoraich  Dia  dheth  ciod  a  bharail 
air  lob  a  nis,  no  an  robh  e  fhathast  an  dull  gur 
h-ann  air  sgath  codach  a  bha  e  gleidheadh 
'ionracais.  Fhreagair  Satan,  agus  thuirt  e  gu 
magail  gur  suarach  do  dhuin'  an  saoghal  uile 
seach  a  shlainte ;  cailleadh  e  sin  agus  chithear 
ciod  a's  fhiach  a  chrabhadh.  Cho  fad  's  a  tha 
duine  luath  laidir,  faodaidh  e  seasamh  ris  na  thig 
'na  charamh,  ach  biodh  e  air  a  chlaoidh  le  easl- 
ainnt  agus  mallaichidh  e  Dia  as  an  aodann. 
Feuch  ort,  mata,  gabh  do  chothrom  agus  leag 
do  lamh  air  corp  lob,  ach  a  mhain  caomhain  a 
bheatha.  Bhuaileadh  lob  bochd  le  galair  cho 
oillieil  's  gu'n  robh  a  bheatha  'na  h-uallach  dha. 
Bha  'chradh  cho  from  is  'aogas  cho  duaichnidh 
's  gu  'n  d'  iarr  a  bhean  air  lamh  a  chur  'na 
bheatha.  Ach  cha  deanadh  lob  sin  ;  an  gabh 
sinn,  ars'  esan,   maith  o  laimh  Dhe  agus   nach 


42 


gabh  sinn  olc.  Cha  robh  fios  aige  air  na 
thachair  ann  an  Comhairle  Neimh,  ach  ged  nach 
b'  urrainn  e  thuigsinn  carson  a  bha  lamh  an 
Uile-chumhachdaich  air  a  leagadh  air  cho  trom, 
dh'  irioslaich  se  e  fein  an  lathair  Dhe  agus 
bheannaich  e  'ainm. 

Ann  an  so  uile,tha  am  fear  a  sgriobh  an  leabhar 
ag  radh,  cha  do  pheacaich  lob  le  bhilibh.  Dh' 
fheuch  Satan  ri  dhearbhadh  an  lathair  Dhe  is 
ainglean  nach  b'  ann  air  ghaol  fireantachd  ach 
air  ghaol  duaise  a  bha  lob  a  seachnadh  uilc,  ach 
dh'  fhairtlich  air.  Cha  'n  'eil  an  corr  iomraidh 
air  Satan  anns  an  leabhar,  chaill  e  'n  latha,  's 
thug  e  chasan  as,  agus  uaith  sin,  faodar  a  thuig- 
sinn gur  h-e  'n  fhirinn  a  tha  'n  t-ughdar  a' 
teagasg,  nach  e  feineikachd  idir  a's  inathair 
•aobhair  do  chrabhadh  ach  gur  h-iirrainn  do  mhac 
a?i  duine  7?iaitheas  a  roghamn  air  a  sgath  fein. 

Nan  robh  an  leabhar  a'  criochnachadh  aig  a 
so,  cha  bhiodh  an  corr  uime,  agus  theireamaid 
gu  'n  robh  lob  cho  coimhlionta  'na  theangaidh 
's  a  bha  e  ionraic'na  chridhe.  Ach  tha  'n  ughdar 
a'  fosgladh  cheisdean  eile,  agus  los  sin  a  dhean- 
amh,  thug  e  air  lob  dol  an  sas  ann  an  deasboir- 
eachd  anns  an  do  labhair  e,  air  uairean,  cainnt 
nach  'eil  uile  gu  leir  a'  cordadh  ris  an  irioslachd 
a  nochd  e  'nuair  a  thainig  a'  challdachd  mhor 
air.  Ach  is  trie  le  daoine  amaideachd  a  radh 
ann  an  deasboireachd  ris  nach  bu  mhaith  leo 
seasamh  an  deigh  laimhe. 

Chuala  triuir  d'a  chairdean,  Eliphas,  Bildad, 
is  Sophar  mar  a  dh'  eirich  do  lob,  agus  thog  iad 
orra  gu  tigh  a'  bhroin  chum  comhfhurtachd  a 
thairgsinn  dha.  Bha  na  daoin'  ud,  mar  bha  a' 
mhor  chuideachd  d'an  luchd  duthcha,  a'creidsinn 
gu'm  b'e  breitheanas  Dhe  airson  uilc  a  bh'  ann  an 
trioblaid  no  ann  an  calldachd  sam  bith  a  thigeadh 
air  duine.  Cha  robh  teagamh  aca  nach  robh  an 
caraid  lob  ciontach  do  pheacadh  mor  air  chor- 
eigin,  agus  chaidh  iad  tiiuige  chum  sin  innseadh 
dha  air  a  leas.  Ach  'nuair  a  rainig  iad  lob  's  a 
chunnaic  iad  a  shuidheachdh  truagh,  cha  b' 
urrainn  iad  a'  chomhfhurtachd  fhuar  sin  a 
thairgsinn  dha,  agus  siiuidh  iad  maille  ris  gun 
am  beul  fhosgladh  (ged  is  neonach  a  chum 
Sophar  a  theanga  chrosda)  oir  chunnaic  iad  gu'n 
robh  a  dhoilgheas  ro-mhor. 

Is  e  lob  fein  a  labhair  an  toiseach,  agus  rinn 
e  sin  le  seirbhe  cridhe  's  le  nimh  facail  a  thug 
air  na  daoine  clisgeadh. 

Rachadh  as  do  'tt  ia  air  an  d'  rugadh  mi^ 

Agns  do  'n  oidhche  a  thuirt,   Ghineadh  duine. 

Biodh  an  la  sin  ^na  dhorchadas, 

Gabhadh  neul  comhnuidh  air. 

Carson  nach  d'  eitg  mi  o'tt  bhroinn  .? 

Oir  a  nis  laidhimi  sios  agus  gheibhinn  foii ; 

Chaidlitm,  an  siti  bhiodh  tamh  again. 

An  sin  sguiridh  buaireas  nan  aingidh  ; 

Agus  gheibh  iadsan  a  fa  claoidhte  fois. 


Carson  a  thug  e  do  'n  truagh  solus  ?  [annia 
Agus  beatha  dhaibhsan  a  ta  ann  an  searbhas 
A  tha  gabhail  fadail  airson  a'  bhais. 

Bha  a  chairdean  a  nis  cinnteach  gu  'n  robh  an 
amharus  ceart,  's  gu  'n  robh  cionta  trom  air 
chor-eigin  air  coguis  lob,  agus  dh'  innis  iad  dha 
am  barail  m'a  chor.  B'e  suim  na  thubhairt  iad, 
gu  bheil  Dia  a'  riaghladh  an  t-saoghail  ann  an 
ceartas  's  ag  orduchadh  nan  uile  nithean  gu 
maith,  a'  toirt  soirbheachaidh  do  dhaoin'  ionraic 
mar  dhuais  an  diadhaidheachd,  's  a'  toirt  breith- 
eanais  air  droch  dhaoine  mar  dhuais  an  uilc. 
Fhreagair  lob,  ag  aontachadh  leo  gur  hann  mar 
sin  a  bu  ch6ir  do'n  Uile-chumhachdach  curs'  an 
t-saoghail  orduchadh,  ach  thuirt  e  gu  'n  robh  e 
faicinn  's  a'  fiosrachadh  nithean  a  bha  dol  calg- 
dhireach  an  aghaidh  ceartais.  Cha  b'e  challdachd 
a  thainig  air  a  bha  cur  dragh  air  anam,  ach  an 
smuain,  nach  robh  Dia  n'  deanatnh  ceartais.  Bha 
diomhaireachd  freasdail  Dhe  a'  dol  thar  'eolais, 
gus  mu  dheireadh  an  robh  e  'n  inipis  achreidsinn 
nach  robh  ann  an  Dia  ach  fear-saruchaidh  neo- 
chaomhal  a  bha  leigeil  le  cuibheal  an  fhortain 
dol  mu  'n  cuairt  gun  sealltuinn  co  dhiu  a 
phrannadh  i  'n  t-ionracan  no  'n  t-eucorach.  Tha 
na  briathran  a  labhair  e  r'a  chairdean  sgaiteach, 
ach  clod  a  theirear  ris  na  briathran  a  labhair  e 
mu  Dhia  fein?  Feumar  a  radh  gu  'n  do  rainig 
e  airde  dalmachd  nach  do  rainig  naomh  roimhe 
no  'na  dheigh.  B'e  aon  de  na  nithean  a  chuir 
am  fear  a  sgriobh  an  leabhar  so  roimhe,  gu  'n 
leigeadh  e  le  duine  ionraic  mar  bha  lob,  cainnt 
a  chur  air  na  smuaintean  a  dh'  eireas  ann  an 
cridheachan  dhaoine  'nuair  tha  iad  air  am 
fiosrachadh  le  trioblaidean  troma,  's  gun  fios  aca 
carson.  Tha  sinn  an  duil  nach  sgriid  's  nach 
tomhais  Dia  mar  fhear  lagha  na  smuaintean 
dalma  's  na  briathran  amaideach  a  dh'  fhaisgeas 
plan  is  eiginn,  air  uairean,  o  chndhe  feadhnach 
a  tha  ionraic  'nam  beatha.  Tha  e  ni  's  glice  's 
ni  's  caomhaile  no  gu  'n  deanadh  e  sin.  Ach  cha 
leithsgeul  do  dhanachd  mhic  an  duine  caomhal- 
achd  Dhe. 

Chuir  lob  as  leth  an  Uile  -  chumhachdaich 
gu  'n  do  rinn  e  eucoir  air,  agus  gu  'n  do  lot  se  e 
gun  aobhar.  An  urrainn  dhuinn,  mata,  aont- 
achadh leis  an  fhacal,  nach  do  pheacaich  lob  le 
bhilean.  Cha  'n  urrainn.  Ach  a  bheil  sin  a' 
ciallachadh  gu  'n  robh  barail  Shatain  air  lob 
ceart, 's  nach  b'airidh  e  air  an  teisteanas  a  fhuair 
e  bho  Dhia.  Cha'n'eil  idir:  cha  do  dhearbhadh 
lob  chum  fios  fhaotainn  ciod  a  theireadh  e  le 
bhilean  ann  an  la  na  h-eiginn,  ach  a  chum  fios 
fhaotainn  an  roghnaicheadh  e  fireantachd  'nuair 
nach  robh  buannachd  shaoghalt'  innte.  Rinn 
e  sin  ;  bha  ionracas  cho  caomh  d'a  anam  's  nach 
dealaicheadh  e  ris  a  dh'  aindeoin  co  theireadh 
e.  Bheireadh  e  diilain  do  neamh  's  do  thalamh 
seach    a   choguis    a    mhuchadh    no    ceartas   a 


r 


-I 


43 


threigsinn.  Ann  an  so  uile  bha  lob,  ged  nach 
robh  fhios  aige  fein  air,  a  glbrachadh  ainm  an 
Tighearn,  oir  bha  e  nochdadh  gu  'm  b'  airidh  e 
da  rireadh  air  a'  chliu  a  thug  Dia  dha  ann  an 
Comhairle  Neimh. 


AM    MINISTEAR  'S    AM    FOIRFEACH 
COGUISEACH. 


Bha  Maighstir  Eachann  's  am  foirfeach 
anabarach  mor  aig  a  cheile.  Bha  iad  comhla 
deich  bliadhna  fichead,  ach  anns  an  iiine 
sin,  cha  d'  thainig  facal  riamh  eatorra,  's  cha 
mho  a  fhuair  an  dara  fear  cearb  anns  an  fhear 
eile.  Bha  Maighstir  Eachann  toilichte  leis  an 
fhoirbheach,  's  bha  'm  foirfeach  toilichte  le 
Maighstir  Eachann,  's  bha  'n  sgireachd  car 
toilichte  leo  le  cheile. 

Bha  e  'na  chleachdadh  aca  coinneachadh  a 
h-uile  feasgar  Di-luain,  uair  nia  seach  ann  an 
tighean  a  cheile.  Air  feasgar  sonruichte  bha  iad 
a'  seanchas  mu  aois  chairdean  is  choimhearsnach, 
's  mu  na  h-eucailean  a  tha  'n  aois  a'  tarruing  'na 
lorg. 

Mifiistear.  —  Tha  na  bliadhnachan  a'  dol 
seachad  's  cha  'n  'eil  mi  fhein  's  tu  fhein,  Iain, 
cho  6g  'sa  bha  sinn. 

Foirfeach.  —  Tha  sin  fior,  ach  taing  do  'n 
Fhreasdal  tha  rao  mheorahair-sa  cho  maith  's  a 
bha  i  riamh. 

Ministear. — Air  a  shon  sin  dheth,  faodaidh 
mise  an  ni  ceudn'  aradh;  ach  sidrud  a  theirinn 
riut,  Iain.  Air  mo  sgath  fhein,  's  air  sgath  an 
t-sluaigh,  tha  mi  cur  romham  nach  seas  mi  air 
am  beulthaobh  aon  latha  ni  's  fhaide  ni  's  coir 
dhomh,  agus  tha  mi  'g  earail  ort-sa,  a  charaid, 
cagar  a  chur  'am  chluais  cho  luath  'sa  mhoth- 
aicheas  tu  gu  bheil  an  seann  duin'  a'  dol  air  ais. 
Tha  e  furasda  dhomhsa  's  do  m'  sheorsa  sinn 
fein  a  mhealladh,  ach  is  maith  an  sgathan  suil 
caraide,  agus  tha  mi  'g  earbsadh  riutsa  rabhadh 
a  thoirt  dhomh  an  am. 

M'  an  deachaidh  am  foirbheach  'na  fhair- 
eachadh  gheall  e  gu  'n  deanadh  e  sid,  ach  air 
dha  cnuasachadh  air  a'  ghnothuch  an  deigh 
laimhe,  bha  cho  mhaith  leis  dleasdanas  eile  'bhi 
air  a  leagadh  air  a  ghuaillean.  Ach  aig  an  am, 
cha  leigeadh  e  leis  an  rud  dragh  a  chur  air 
inntinn,  oir,  ars  esan,  cha  d'  fhailnich  suil 
Mhaighstir  Eachainn  fhathast  's  cha  do  threig  a 
neart  e. 

Chaidh  bliadhnachan  seachad  agus  thoisich 
monmhur  am  measg  an  t-sluaigh  nach  robh  am 
ministear  cho  cuimseach  'na  fhacal  no  cho 
ordail  'na  theagasg  'sa  b'  abhaist  dha.  Bha 
am   foirfeach  eadar   a'  bhaobh  's    a'  bhuarach. 


Bha  e  'na  dhuine  coguiseach  's  bu  mhaith  leis 
fhacal  a  chumail,  ach  bha  e  'na  dhuine  cneasda 
's  cha  bu  mhaith  leis  a  charaid  a  ghoirteachadh. 
Chuir  e  dail  anns  a'  ghnothuch  cho  fad  's  a  b' 
urrainn  dha,  ach,  latha  de  na  laithean,  air  do  'n 
mhinisteir  tarrruing  a  thoirt  air  an  aois  's  air 
maitheas  an  Fhreasdail  dha  fein  's  d'a  choimh- 
thionail  ghlac  am  foirfeach  misneach  agus  thuirt 
e — 

Foirfeach. — A  bheil  cuimhn'  agaibh  air  an 
t-seanchas  a  bha  eadarainn  o  chionn  choig 
bliadhna  anns  an  t-seomar  so,  agus  an  gealladh 
a  thug  mi  dhuibh. 

Ministear. — Tha  sin  agam,  Iain,  agus  tha  mi 
ro-thoilicht'achluinntinn  nach  dodhichuimhnich 
thusa  na  dh'  iarr  mi  ort,  's  tha  mi  'n  dochas, 
'nuair  thig  an  t-am,  gu  'n  dean  thu  gniomh 
caraide,  's  nach  ceil  thu  orm  an  fhirinn. 

Cha  robh  fios  aig  an  fhoirbheach  ciamar  a 
thoisicheadh  e,  oir  chunnaic  e  nach  robh  amharus 
air  bith  aig  a'  mhinisteir  gu  'n  robh  'n  fhirinn 
cho  dliith  d'a  dhorus.  B'  fhearr  leis  an  duine 
thruagh  gu  'n  do  ghearradh  barr  na  teangadh 
dheth  m'  an  do  gheall  e  na  gheall  e,  ach  bha 
cairdeas  is  coguis  'ga  tharruing  air  an  aon  cheum. 
Thainig  fallus  fuar  air  aodann,  critheannaich  am 
bac  'iosgaid,  is  casd  goirid  'na  mhuineal,  ach 
cha  'n  fhaigheadh  e  diog.  Mu  dheireadh  dh' 
fhaighneachd  am  ministear  dheth  an  robh  dad 
cearr  air.  Chuir  so  seorsa  sprachd  ann  agus 
thuirt  e  nach  robh,  ach  faodar  an  cbrr  innseadh, 
facal  air  fhacal,  mar  labhair  an  dithis. 

Foirfeach. — Thuirt  mise  riutha  nach  robh  dad 
cearr  air  an  t-searmon  nan  deanadh  iadsan  feum 
maith  dheth. 

Ministear. — Dad  cearr  air  an  t-searmon  !  Cha 
'n  'eil  mi  uile  gu  leir  'g  ad  thuigsinn  ? 

Foirfeach. — Gabhaibh  mo  lethsgeul,  a  Mhaigh- 
stir Eachann,  ach  tha  cuimhn'  agaibh  gu  'n 
d'  iarr  sibh  orm  cagar  a  chur  'nur  duals  agus 
eadaruinn  fhein  's  an  ursann — 

Mifiistear. — Cha  ruig  thu  leas  an  cbrr  a  radh, 
tha  mi  tuigsinn  gle  mhaith  nach  do  chord  mo 
shearmon  an  de  riut. 

Foirfeach.— Ann  an  riumsa  !  Gu 'n  tugadh 
am  Mac  Mallachd  leis  mi,  a  Mhaighstir  Eachann, 
ma  chuir  mi  corrag  riamh  air  'ur  searmoin.  B'e 
sin  an  seangan  a'  toirt  grcim  a  gearran. 

Ministear  {a! ga.ire2iC\\d\i\nn) — Tog  ad  mhiodal, 
Iain,  ach  o'n  a  tha  sinn  a'bruidhinn  air  searmoin 
idir,  's  a  tha  sinn  leinn  fhein,  feumaidh  mi 
aideachadh,  le  taingealachd  do  Dhia,  nach  d' 
fhairich  mi  riamh  uiread  saors'  anns  a'  chubaid 
's  a  fhuair  mi  o  chionn  bliadhn'  air  ais.  An 
aite  bhi  pianadh  na  feola  le  ro-churam  ciod  a 
their  mi  (mar  bha  mi  deanamh  ann  an  laithean 
m'  amaideis)  tha  mi  'n  diugh  'gam  thilgeadh  fein 
air  comhnadh  an  Fhreasdail,  's  tha  mi  faotainn 
beothalachd   'am   bhodhig  is  deas-chainnt    'am 


44 


bheul.  Ach  tha  cridheachan  a'  phobuill  cruaidh, 
's  tha  'n  eaglais  a'  fas  falamb. 

Cha  d'  thuirt  am  foirfeach  an  c6rr  aig  an  am 
's  cha  mh6  a  chualas  uaith  riamh  mu  'n  t-seanchas 
a  bha  eadar  e  fhein  's  am  ministear.  Thuig  e 
mar  bha  cuisean,  's  chum  e  'smuaintean  aige 
fhein.  Ach  cha  b'e  sin  do  Mhaighstir  Eachann  ; 
dh'fhas  e  na  bu  bhriathraiche  's  na  bu  bheothaile, 
's  cha  robh  ait'  an  suidheadh  e  nach  b'e  'n  aon 
seanchas  dha,  amaideas  na  h-oige  is  cruas-cridhe 
an  t-sluaigh.  'Nuair  a  bheirteadh  tarruing  ris 
air  an  fhoirbheach  choguiseach,  chrathadh  e 
cheann  's  theireadh  e  le  osna  thruim,  gu  'm  bu 
mhor  'eagal  gu  'n  robh  buadhan  Iain  choir  a' 
failneachadh  leis  an  aois. 

Tha  an  naigheachd  so  a'  togail  iomadh  ceisd 
air  am  faodainn  comhradh  a  dheanamh  riuts',  a 
leughadair,  nan  robh  mi  cho  beothail  is  deas 
bhriathrach  ri  Maighstir  Eachann.  Faodar  cuid 
dhiu  sin  ainmeachadh,  agus  mur  fuasgail  mis' 
iad,  cnuasaich  tein  orra  'nuair  nach  bi  obair  a's 
fhearr  agad  ri  dheanamh. 

Co  a  b'  amaidaiche  am  fear  a  thairg  comhairle 
no  'm  fear  a  dhiult  a  gabhail. 

Ciod  iad  coinharan  na  h-aoise. 

Co  as  a  thainigan  deas  chain7it  'sa  bheothalachd 
a  dJi  fhairich  am  ministear  annfein. 

Cha  'n  'eil  mi  dol  a  ghabhail  gnothuich  ris  an 
da  cheisd  mu  dheireadh,  ach  faodaidh  mi  facal 
no  dha  a  radh  air  a'  chiad  te.  Tha  mi  'n  duil 
nach  robh  anns  an  fhoirbheach  a  ghabh  os  laimh 
rabhadh  a  thoirt  do  'n  mhinisteir,  ach  an  daor 
amadan.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh 
Maighstir  Eachann  onorach  gu  leor  aig  an 
am,  's  nach  robh  e  saoilsinn  gu  'n  gabhadh  e 
comhairl'  an  fhir  eile  mar  ghniomh  caraide.  Ach 
tha  cridhe  mhic  an  duine  anabarrach  domhain 
agus  anabarrach  cealgach,  agus  dh'  fhaodadh  am 
foirfeach  a  bhi  cinnteach  cianiar  a  dh'  eireadh 
dha.  Anns  an  t-saoghal  olc  so,  agus  am  measg 
gineil  fhiar,  tha  e  duilich  do  dhuine  an  rathad 
fhalbh  ann  an  sith,  mur  bi  rud  beag  de  ghHocas 
na  nathrach  an  cul  a  chinn,  cho  mhaith  ri  neo 
lochdas  a'  chalumain  air  a  bhathais.  Tha  sinn 
uile'm  beachd  gur  toigh  leinn  fhios  a  bhiagainn 
air  an  fhirinn  umainn  fein,  ach  mo  thruaigh  esan 
a  dh'  innseas  dhuinn  an  dara  leth  dhi.  Gabhar 
gu  toileach  ris  a'chuid  sin  dhith  a  tha  mihs  do'n 
bhlas,  ach  cho  luath  's  a  dh'  aimseas  an  caraid 
coguiseach  air  ar  failingean,  caillear  meas  air  tur 
is  toinnisg  an  duine,  no  cuirear  as  a  leth  gu 
bheil  freumh  seirbhe  air  chor-eigin  'na  chridhe. 
Tha  na  daoin'  a's  caise  anabarrach  faighidneach 
'nuair  thatar  'gam  moladh,  agus  gabhaidh 
eadhoin  seanairean  glic  is  ministearan,  fearg  ris 
an  duine  choguiseach  nach  gabh  iad  ris  an  duine 
mhiodalach. 

Am  bitheantas  cha 'n 'eil  ann  ach  cosg  cainnte, 
comhairl'  a  ihoirt  air  neach  eile,   oir,    ma   tha 


beagan  tuir  ann  fein,  cha  bhi  feum  aig'  oirre,  's 
mur  h-eil  ttir  ann,  cha  gabh  e  i.  Cha  'n  'eil  rud 
eile  a  tha  cho  trie  a'  dol  a  dholaidh  ri  comhairle. 
Ma  tha  na  h-amadain  a'  fas  lionmhor,  cha  'n  e 
cion  comhairl'  a's  aobhar.  Tha  e  ceart  gu  'n 
tugadh  parantan  comhairl'  air  an  cloinn,  's  gu'n 
tugadh  daimhich  eolas  na  slighe  air  an  do  ghluais 
iad  fhein  d'  an  cairdean  oga,  ach  a  mach  o 
theaghlach  fein  cha  bu  choir  do  dhuin'  a  bhi 
deas  gu  chomhairl'  a  thairgsinn.  Tha  seorsa 
dhaoin'  ann  nach  h-urrainn  fuireach  samhach. 
Air  ghaol  seanchais  bodhraidh  iad  an  coimh- 
earsnaich  le  comhairle.  Tha  briathran  na 
feadhnach  sin  mar  fhuaim  na  gaoithe,  agus  nan 
innseadh  daoin'  an  fhirinn,  theireadh  iad  gu  'n 
robh  iad  seachd  sgith  dhiu.  Cha  'n  'eil  ann  an 
comhairle  gun  iarraidh  ach  am  mi-mhodh.  Am 
bitheantas,  cha  dean  i  ach  droch  nadur  is 
danarrachd  a  dhusgadh  anns  an  neach  d'  an 
toirear  i. 

Ma  dh'  fhasar  sgith  dhiubhsan  a  thairgeas 
comhairle  gun  iarraidh,  fasar  ni  's  sgithe 
dhiubhsan  a  dh'  iarras  i  gun  sgur.  Uair  a 
ghabhas  iad  i,  is  da  uair  nach  gabh.  Tha  seorsa 
dhaoin'  ann  a  tha  coltach  ris  an  eidheann. 
Cha  'n  urrainn  dhaibh  seasamh  air  ar>  casan 
fein ;  feumaidh  iad  an  taic  a  leigeil  ri  cuid-eigin. 
Tha  iad  an  comhnuidh  eadar  da  bharail,  's  cha 
ghabh  iad  os  laimh  an  rud  a's  lugha  gus  an  iarr 
iad  comhairle.  Ged  a  dh'  fheuchas  an  seorsa  so 
faighidinn  an  cairdean,  cha  daoine  cronail  no 
cealgach  iad,  agus  is  coir  giulan  leo  cho  mhaith 
's  is  urrainnear.  Ach  ciod  a  theirear  riusan  a 
dh'  iarras  do  chomhairle,  cha  'n  ann  air  ghaol 
seolaidh  fhaotainn,  ach  air  ghaol  do  cheann  a 
sheideadh  suas  ?  Tha  na  h-uiread  de  'n  t-seorsa 
dhaoine  so  a'  falbh  an  t-saoghail,  agus  mur  h-eil 
thus',  a  leughadair,  car  turail  bheir  iad  ort  a 
chreidsinn  gu  bheil  thu  cho  glic  ri  Solamh. 
Ma  's  toigh  leat  am  beachd  diomhain  sin  ort 
fhein  altrum,  leigidh  tu  air  an  aghaidh  iad,  ach 
ma  's  duine  tuigseach  thu,  cuiridh  tu  stad  air 
am  miodal  cho  luath 'sa  leigeasan  t-siobhaltachd 
leat  sin  a  dheanamh,  agus  cumaidh  tu  do 
chomhairl'  agad  fhein. 

Ach  air  a  shon  sin  uile,  is  raaith  an  ni  deagh 
chomhairle  agus  iarraidh  an  duine  glic  i  ni  's 
bitheanta  no  'n  t-amadan.  Cha  toir  e  'inntinn 
do  dh'  eoin  an  adhair,  ach  ma  bhios  e  an 
ioma-chomhairle  mu  rud  sam  bith,  is  maith  leis 
seanchas  fhaotainn  ri  caraid  sonruichte  anns  a 
bheil  earbs'  aige.  Bruidhnidh  iad  gu  saor,  taobh 
air  thaobh,  agus  eatorra  feuchaidh  iad  ri  amas 
air  an  t-slighe  cheart. 

Cha  ghabh  mi  gnothucli  ris  a'  cheisd  mu 
dheireadh — Co  bhuaith  a  thainig  heothalachd  is 
deas  -  chaimit  Mhaighstir  Eachain7i.  Thuirt  e 
fein  gur  h-ann  o  chomhnadh  an  Fhreasdail,  agus 
faodar  fhagail  mar  sin. 


i 


¥ 


ft 


I 


3 

1 

4 


Air    12. 


1909. 


SEIRBHISEACH  DILEAS. 


Aindreas,  braihair  Shimoin  Fheadair. 
—EoiN  /.,  4.0. 

Fhuair  an  Naomh  Aindreas  aite  urraniach  am 
measg  nan  abstol,  ged  nach  d'  fhuair  e  an  t-ait'  a 
b'  airde.  B'  e  Aindreas  a  bu  mheadhon  air 
Peadar  a  thoirt  gu  Criosd,  ach  ann  an  nine 
ghOirid  ghabh  an  sgoilear  toiseach  air  a  mhaigh- 
stir,  agus  tha  Aindreas  air  ainmeachadh  air 
Peadar,  mar  nach  b'  urrainn  do  'n  t-soisgeulaiche 
innseadh  d'  a  leughaidearan,  ann  an  doigh  eile, 
CO  e. 

Rugadh  e  am  Bhetsaida  Ghalile,  's  b'  e  ainm 
athar  lonas,  is  ainm  a  mhathar  lohanna. 
Thainig  e  fo  bhuaidh  na  firinn  m'an  do  thachair 
e  air  Criosd.  Dhuisg  searmonachadh  a'  Bhaistich 
iomaguin  spioradail  'na  anam,  agus  lean  e  Eoin 
mar  dheisciobul.  Cha  b'  urrainn  dha  e  fein  a 
chur  fo  ughdarras  a  b'  fhearr,  oir  theagaisg  am 
Baisteach  dha  grainealachd  is  cionnta  peacaidh, 
agus  tharruing  e  'aire  a  dh'  ionnsuidh  neach  a 
bha  mar  2ian  Dhe  a'  toirt  air  falbh  peacaidhean 
ati  t-saoghail.  Fo  mhinistreileachd  Eoin  bha 
cridhe  Aindreis  air  a  dheasachadh  airson  an 
t-Slanuigheir,  air  chor  agus  'nuair  a  choinnich 
iad  a  eile  aig  abhainn  lordain,  gu  'n  do  fhreagair 
Aindreas  gu  toileach  a'  ghairm  a  thug  losa  dha. 

Cha  'n  'eil  Mata  no  Marc  no  Lucas  ag  radh 
moran  mu  Aindreas,  ach  bha  car  de  thaoibh 
aig  an  Abstol  Eoin  ris  an  duine  chaomh  so, 
agus  tha  e  toirt  iomraidh  air  ni  's  bitheanta  no 
tha  each.  Tha  e  furasda  gu  leor  fhaicinn  gu  'm 
bu  mhaith  le  Eoin  ainm  Aindreis  a  chumail  air 
chuimhne,  's  gu  'm  bu  mhaith  leis  gu  'n  tuigeadh 
a  leughaidearan  gu  'n  do  rinn  Aindreas  seirbhis 
mhaith  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil.  Cha 
b'  urrainnear  a  chur  as  leth  an  abstoil  so  gu  'n 
robh  e  'na  dhuine  dalraa,  oir  b'  fhearr  leis 
daonnan  a  bhi  air  chul  nam  bord  seach  air 
beulaobh  na  cuideachd,  ach,  tri  uairean,  tha 
Eoin  a  tigh'nn  thairis  air  nithean  air  nach  tugadh 
Aindreas  e  fein  iomradh  : — 

(i)  Ami  an  Eoin  i.,jj-42,  tha^e'g  innseadh  mar 
thachair  Criosd  air  Aindreas, -'s  mar  chaidh 
Aindreas  a  dh'  iarraidh  a  bhrathar  chum  a 
thoirt  gu  Criosd. 


(2)  Ann  an  Eoin  vi.,  'J14,  tha  e  'g  innseadh  gur 

h-e  Aindreas  a  tharruing  aire  Chriosd  a 
dh'  ionnsuidh  an  oganaich  aig  an  robh  an 
t  iasg  's  an  t-aran  leis  an  do  rinn  e  aon  d'a 
mhiorbhuilean. 

(3)  Ann  an  Eoin  xii.,  20-22,  tha  e  'g  innseadh 

gur  h-e  Aindreas  a  ghabh  os  laimh  na 
Greugaich  a  thoirt  gu  losa. 

Cha  'n  'eil  an  corr  iomraidh  air  ainm  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh,  ach  a  reir  beul-aithris  na 
h-Eaglais,  chaidh  e  do  dhuthchannan  cein  a 
shearmonachadh  an  t-soisgeil,  an  deigh  aiseirigh 
Chriosd.  Chuireadh  gu  bas  e  ann  am  Patre  air 
sgath  a'  chreidimh,  agus  thatar  ag  radh  gu  'n 
robh  'eud  air  taobh  an  t-soisgeil  cho  mor  's  gu  'n 
do  shearmonaich  e  Criosd  air  a'  chrann- 
cheusaidh,  a  dh'  aindeoin  plan  a  chuirp. 

A  thaobh  buadhan  inntinn  is  comas  labhairt 
cha  ghabh  Aindreas  coimeas  ri  Peadar  no  Eoin 
no  Pol.  Cha  tug  Dia  dha  na  gibhtean  a 
bh'  aca-san.  Ach  rinn  e  deagh  fheum  de  na 
talantan  a  fhuair  e,  agus  ged  nach  'eil  e  cho 
ainmeil,  bha  e  cheart  cho  dileas  riusan.  Tha 
eadar-dhealachadh  eadar  reult  agus  reult  a 
thaobh  gloire,  ach  is  ann  anns  an  aon  iarmailt  a 
tha  iad  a'  dealradh  agus  cumhachd  an  aon  Ti  a 
tha  iad  a'  nochdadh. 

Bha  Aindreas  'na  dhuin'  iriosal.  Cha  robh  e 
air  a  sheideadh  suas  le  uabhar  no  fein-speis,  's 
cha  b'  e  ghloir  fein  a  bh'  aige  'san  t-sealladh. 
Cha  do  ghabh  e  saoibhneas  a  chionn  gu  'n 
d'  fhuair  feadhainn  eile  toiseach  air;  bha 
spiorad  macant'  is  ciuin  air  a  ghiulan,  ni  a  tha 
ro  luachmhor  ann  an  sealladh  Dhe.  Cha  robh 
an  spiorad  sin  aig  na  h-abstoil  uile,  co  dhiu  cha 
robh  e  aca  an  toiseach.  Cha  mhor  dhaoin'  aig 
a  bheil  e,  oir  tha  uabhar  is  fein  speis  anabarrach 
duilich  an  spionadh  as  am  bun.  Cha  'n  'eil  e 
idir  duilich  a  bhi  eudmhor  ann  an  aobhar  sarn 
bith,  ma  gheibh  sinn  cliu  air  a  shon,  's  ma 
bheirear  dhuinn  an  t-aite  suidh'  a  's  fhearr  's 
a'  chuideachd.  Ach  is  rud  eil'  e,  a  bhi  eudmhor 
gun  duais,  gun  chliu.  'Nuair  a  dh'  aimsear  air 
neach  a  tha  Ian  thoileach  an  obair  a  dheanamh 
is  cliu  na  h-obrach  a  leigeil  le  neach  eile,  faodar 
a  bhi  cinnteach  gu  bheil  taom  mhaith  'na  chridhe 
de  'n  ghradh  sin  nach  gabh  farmad,  nach  dean 
raiteachas,  nach  'eil  air  a  sheideadh  suas,  's  tiack 
gijilain  efein  gu  mi  chiatach. 


46 


B'  e  Aindreas  ceud  thoradh  obair  Chriosd, 
a'  cheud  dheisciobul  a  thog  a  chrann-ceusaidh 
's  a  lean  an  Slanuighear.  Ged  nach  'eil  Eoin  a' 
tigh'nn  thairis  air  na  thuiit  losa  ris  'nuair  a 
choinnich  iad,  tha  e  coltach  gu  'n  robh  cridhe 
Aindreis  air  a  ghluasad  gu  mor,  oir  cbaidh  e 
mach  le  cabhaig  a  dh'  innseadh  d'  a  bhrathair 
ciod  a  f huair  e.  Dh'  fhaodadh  e  radh  mar  thuirt 
an  Salmadair,  cha  d'  fhohdch  mi  t-fhireatitachd 
'am  chridhc.  Dh'  fhairich  Aindreas  nach  e 
mhain  gu  'n  robh  e  air  a  ghairm  gu  bhi  'na 
dheisciobul,  ach  gu  'n  robh  e  air  a  ghairm  mar 
an  ceudna  gu  bhi  'na  fhianuis.  Cha  'n  ann  air 
na  h-abstoil  a  mhain  a  dh'  iarr  Criosd  fianuis  a 
thoirt  seachad,  ach  air  a  h-uile  duine  ann  an 
comunn  nan  creidmheach.  Tha  e  mar  fhiach- 
aibh  orrasan  a  bhlais  deagh  thiodhlac  Dhe  am 
fianuis  a  thoirt  do  'n  t-saoghal.  Rinn  Aindreas 
sin  am  measg  a  dhaoine  fein  an  toiseach,  's  an 
deigh  laimhe  am  measg  choimheach. 

B'  e  Peadar  ceud  thoradh  obair  shoisgeulach 
Aindreis,  agus  ann  a  bhi  toirt  a  bhrathar  gu 
Criosd,  rinn  e  'n  obair  latha  a  b'  fhearr  a  rinn  e 
riamh  'na  bheatha.  Cha  robh  nair'  air  Aindreas 
labhairt  r'a  bhrathair  mu  nithean  spioradail. 
Aidichidh  sinn  uile  nach  robh  aobhar  air  bith 
gu  'm  bitheadh,  ach  an  deigh  sin  's  air  fad,  is  e 
gle  bheag  de  dhaoin'  a  's  urrainn  am  beul 
fhosgladh  air  nithean  spioradail  ri  'n  cairdean 
fein.  Ann  an  aon  seadh  tha  sin  nadurra, 
agus  cha  'n  'eil  e  idir  fior  gur  h-e  cion  eud  no 
deagh  dhurachd  a  tha  'g  an  cumail  samhach. 
Ma  chuirear  a  cheist  —  An  coir  do  luchd 
aideachaidh  a  bhi  seanchas  daonnati  air  nithean 
spioradail,  's  a  bhi  toirt  rabhaidh  do  gach  peacach 
a  thachras  orra,  cha  'n  'eil  a'  cheist  idir  furasd  a 
fuasgladh.  Cha  'n  'eil  an  rud  a  tha  laghail  gu 
leor  do'n  dara  duine  dligheach  do  dhuin'  eile, 
s  cha  mho  a  thairngeas  ar  dleasdanas  sinn  air 
an  aon  cheum.  Tha  tiodhlacan  Dhe  lionmhor 
agus  cha  'n  e  'n  aon  seorsa  talant  a  tha  e  toirt 
do  na  h-uile.  Thug  e  gibht  teagaisg  do  chuid, 
gibht  comhfhurtachaidh  do  chuid  eile,  's  cha 
'n  'eil  teagamh  nach  d'  thug  e  do  dhuine  son- 
ruichte  an  sid  's  an  so  gibht  leis  aa  urrainn 
dhaibh  maith  a  dheanamh  d'an  co-chreutairean 
le  seanchas  pearsonta.  Ma  fhuair  neach  a' 
ghibht  sin  ann  an  tomhas  cothromach,  is  coir 
dha  a  cleachdadh,  agus  ma  's  duine  turail  e,  cha 
dean  a  bhriathran  cron.  Ach  is  beag  an  aireamh 
dhaoin'  aig  a  bheil  an  talant  sin,  ged  is  mor  an 
aireamh  a  tha  'n  duil  gu  bheil  i  aca.  Tha  e 
furasd  do  dhaoin'  iad  fein  a  mhealladh  's  a  bhi 
saoilsinn  gur  h-e  eud  spioradail  a  tha  'g  am 
brosnuchadh  gu  bhi  bruidhinn  air  Dia  's  air 
siorruidheachd  ris  gach  sean  is  6g  a  thachras 
orra,  'nuair  is  e  da  rireadh  fein  speis  is  fein  fhir- 
eantachd  is  gaol  bruidhne  a  tha  toirt  fuasglaidh 
d'  an  teanga.     Tha  moran  dhaoin'  ann  a  dhean- 


adh  barrachd  seirbhis  do  rioghachd  Dhe  nam 
fanadh  iad  samhach  no  ni  iad  gu  brath  le  'n 
seanchas.  'Nuair  a  labhras  duin'  air  nithean 
folaichte  na  beatha  spioradail  's  air  obair  Dhe 
'na  anam  fein,  mar  nach  biodh  e  ach  a'  bruidh- 
inn air  an  t-sid  no  air  cuisean  Parlamaid,  cha  'n 
'eil  'na  chainnt  ach  diomhanas  is  mi-mhodh,  's 
cha  'n  'eil  ann  fein  ach  ciombal  a'  gleangarsaich. 
Fagaidh  e  droch  bhlas  am  beul  na  feadhnach  a 
dh'  eisd  ris  air  sgath  siobhaltachd,  agus  an  aite 
an  taladh  gu  diadhaidheach,  duisgidh  e  annta 
smuaintean  eile.  Anns  a'  chuis  so,  mar  ann  an 
nithean  a's  motha  is  coir  dhuinn  eiseimpleir  ar 
Maighstir  a  leantuinn.  Bha  esan  deas  gu  comh- 
radh  a  dheanamh  ri  neach  sam  bith  a  chuireadh 
ceist  air,  no  dh'  iarradh  a  chomhairle,  no  thig- 
eadh  thuige  le  teagamh  no  le  duileadas.  B' 
aithne  dha  ciamar  a  ghabhadh  e  cothrom  air  an 
fhacal  fhreagarrach  a  labhairt  aig  an  am  cheart 
agus  ris  an  duine  cheart,  ach  cha  d'  fhosgail  e  a 
chridhe  no  bheul  do  choigrich  agus  cheil  e 
eadhoin  air  a  chairdean  (na  h-abstoil)  barrachd 
's  a  dh'  innis  e  dhaibh.  Ma  rinn  e  pairt  do 
fhiosrachadh  anma  follaiseach,  dh'  fhag  e  moran 
dheth  foluichte,  's  cha  b'  u'rainn  neach  sam  bith 
a  chur  as  a  leth  gu'n  robh  e  bruidhneach. 

Ach  ged  nach  'eil  e  freagarrach  gu'm  biodh 
luchd  aideachaidh  a'  ceasnachadh  chairdean  is 
choimhearsnach  gun  sgur  's  a  feoraich  dhiu  an 
d'  iompaicheadh  iad,  tha  e  ceart  gu'n  deanadh 
parantan  airson  an  cloinnean  ni  a  rinn  Aindreas 
d'a  bhrathair.  Le  bhi  'gan  teagasg  ann  an  eolas 
an  t-soisgeil  gu  curamach,  le  bhi  cur  eiseimpleir 
cheart  m'an  coinneamh,  's  le  bhi  'gan  taladh 
anns  gach  doigh  a's  urrainn  iad  gus  an  inntinn  a 
shocruchadh  air  nithean  ceart  is  urramach  is 
fior-ghlan,  bheir  parantan  an  clann  gu  Criosd. 
Faodaidh  clann  gun  coiseachd  air  an  t-slighe 
cheart  ged  a  fhuair  iad  a  h-eolas,  ach  am  bith- 
eantas  gabhaidh  an  nadur  lubadh  mar  a  thoil- 
icheas  am  parantan,  ma  thoisicheas  iad  trath  's 
ma  leanas  iad  le  tuigs'  is  faighidin.  Ach  is  e  sin 
an  dearhh  ni  nach  dean  moran  pharantan.  Tha 
cho  beag  suim  aca  do  chor  spioradail  an  cloinne 
's  mur  b'  e  am  beagan  eolais  air  a'  Bhi'  bull  a 
thruiseas  na  paisdean  amis  an  sgoil,  gu'm  fasadh 
iad  suas  cho  aineolach  air  an  t-soisgeul  ri 
treubhan  borb  na  h-Afric.  Agus  sin  clann 
luchd  comanachaidh. 

Cha  'n  'eil  e  coltach  gu'm  faca  Aindreas 
moran  de  thoradh  a  shaothrach  anns  na  cearn- 
aibh  anns  an  do  shearmonaich  e  an  soisgeul  an 
deireadh  a  latha.  Ach  cha  do  chaill  e  mhis- 
neach  's  cha  d'  thug  e  thairis ;  bha  e  dileas  gu 
bas.  Chual  e  le  chluasan  fein  an  t-ordugh  a 
thug  Criosd  do  na  h-abstoil,  iad  a  dheanamh 
deisciobuil  de  na  cinnich  uile.  Cha  robh 
Aindreas  eas-umhal  agus  b'  urrainn  e  radh  mar 
thuirt  am  faidh,  Tha  facal  an  Tighearn  ann  anrk 


M 


4 

i 


47 


chridhe,  mar  gu'm  b'e  teine  loisgeach  air  a 
dhruideadh  suas  ann  am  chnamhaii,  agus  ged 
sgithich  mi  'ga  chumail  a  steacb,  cha  'n  urrainn 
mi.  Cha  'n  urrainn  an  eaglais  soirbheachadh 
ma  ni  i  dearmad  air  an  aithne  so.  'Nuair  a 
dh'  fhasas  eud  soisgeulach  na  h-eaglais  fann,  tha 
bliadhnachan  na  gorta  air  teachd.  Tha  i  dliith 
do'n  bhas.  Ma  tha  facal  an  Tighearn  's  an 
deagli  sgeul  a  tha  e  toirt  thugainn  priseil  dhuinn 
fhein,  bidh  iarrtus  againn  air  an  tiodhlac  luach- 
mhor  a  thoirt  dhaibhsan  nach  d'  fhuair  e 
fhathast.  Ach  mur  h-eil  e  'na  aran  beatha 
dhuinn  fein  cha  'n  'eil  ioghnadh  ged  a  bhitheam- 
aid  caoin  shuarach  co  dhiu  gheibh  's  no  nach 
faigh  daoin'  eil'  e. 

Cha  robh  buadhan  mora  inntinn  aig  Aindreas 
ach  chleachd  e  an  comas  a  fhuair  e,  's  bha  e 
dileas  anns  a'  bheagan.  Tha  ninn  an  duil  gu'n 
abradh  a  choimhearsnaich  gu'm  b'  fhior  Chriosd- 
uidh  e  aig  taobh  a  theine  fein,  's  nach  tugadh 
iad  an  toiseach  air  eadhoin  do  Pheadar.  Cha 
b'  urrainn  dhaibh  teisteanas  a  b'  fhearr  a  thoirt 
dba.  Tha  iomadh  neach  air  a  bheil  ainm  na 
diadhaidheach  aig  coigrich,  nach  faigheadh  an 
t-ainm  sin  bho  na  feadhainn  a  tha  fuireach  's  an 
aon  tigh  riu.  Tha  iad  'nan  Abstoil  am  fianuis 
an  t-saoghal  agus  'nan  trusdair  aig  taobh  an 
teine.  Is  mor  an  rud  e  gun  abradh  a  bhean  's  a 
chlann  fein  mu  dhuine,  gu  bheil  e  daonnan 
ciuin  is  caoimhneilis  coguiseach,  glan  'na  iheang- 
aidh  is  firinneach  'na  ghiulan.  Faodar  a  radh 
mu  Aindreas  gu'n  robh  e  'na  dhuin'  iriosal,  'na 
bhrathair  blath  chridheach  's  'na  sheirbhiseach 
dilea?.  Cha  urrainear  moladli  a's  airde  no  sin 
a  dheanamh  air,  oir  is  e  fior  dhuin'  ainneamh 
a's  airidh   air  a'  chliu   so. 


DUINE    UIADHAIDH 


Tha  da  cheud  bliadhna  o  rugadh  an  t-Olla.mh 
Maciain,  agus  anns  an  fhoghar,  bha  daoine  glic 
is  eagnaidh  na  duthcha  a'  raiteachas  feuch  co  am 
fear  a  thilgeadh  a'  chlach  a  b'  fhearr  'na  charn. 
Cha  'n  'eil  sinne  gabhail  oirnn  a  bhi  anabarrach 
glic  no  eagnaidh,  ach  tha  taobh  againn  ris  an 
OUamh  nach  'eil  againn  ri  moran,  agus  faodaidh 
sinn  rud  a  radh,  nach  b'  urrainn,  a  reir  coltais, 
cuid  d'a  luchd  molaidh  a  radh,  gu'n  do  leugh 
sinn  a  h-uile  facal  a  sgriobh  e  riamh.  'Nuair  a 
dh'  fhasar  sgith  do  theangannan  eile,  tha  seanchas 
an  duine  chneasda  so  daonnan  tlachdmhor. 

Ach  cha  'n  e  sin  a  thug  oirnn  tarruinga  thoirt 
air  ainm,  's  cha  mho  a  tha  sinn  a'  dol  a  labhairt 
mu  bheatha  no  mu  ghliocas.  Cuiridh  sinn  fa 
chomhair  ar  luchd  leughaidh  cuid  de  na  na  h- 
uirnighean  a  sgriobh  e,  agus  cuid  de  na 
smuaintean  a  bu  trice  bha  'na  chridhe,   aig  am- 


annan  sonruichte  de'n  bhliadhna. 
leis  fhein  bruidhinn. 

Bas  a  Mhnatha. 


Leigidh  sinn. 


"  Athair  uile-chumhachdaich  agus  uile-throcair- 
each  aig  a  bheil  gradh  dhomh  ged  a  smachdaich 
thu  mi,  amhairc  ann  ad  thniacantas  air  mo  bhron, 
agus  deonaich  gu'n  duisg  an  amhghar  so  mo  chog- 
uis.  Their  dhomh  a  leithid  a  dh'  fhaireachduinn 
air  do  chumhachd  's  do  mhaitheas,  's  gu'm  feuch 
mi  ri  umhlachd  a  thoirt  dhuit  an  smuain,  am  facal 
's  an  gniomh.  Na  leig  learn  mo  laithean  a  chur 
seachad  ann  am  bron  diomhain,  ach  cuidich  leam 
a  chumihneachadh  gur  h-ann  bhuait-sa  a  tha  maith 
is  olc  a'  teachd.  Cha  'n  'eil  dochas  agam  gu'm 
faigh  mi  comhfhurtachd  gun  aithreachas  oir  smachd- 
aich thu  mi  airson  mo  pheacaidh.  Cuidich  leam  a 
bhi  taingeil  airson  an  companas  a  fhuair  mi  o'n 
mhnaoi  a  thug  thu  bhuam,  agus  deonuich  gu'n 
lean  mi  a  h-eiseimpleir  's  gu'n  gleidh  mi  nabbidean 
a  rinn  mi  ri  taobh  a  cuirp.  Ann  ad  lamhan,  a  Dhe, 
tha  spioradan  na  feadhnach  a  chaidh  as  an  t- 
sealladh,  agus  ma  tha  e  fior  gu  bheil  spioradan  nani 
marbh  a'  frithealadh  do  dh'  anmaibh  nam  beo,  tha 
mi  guidh'  ort  gu'm  biodh  spiorad  mo  mhnatha 
dhomhsa  mar  aingeal-dion.  Ma  tha  e  dkna  so  iarr- 
aidh,  thoir  maitheanas  dhomh.'' 

Cha  robh  linn  riamh  cho  as-creidmheach  ris 
an  linn  'san  robh  Maciain  beo.  Thainig  tiorm- 
achd  spioradail  air  an  duthaich  air  fad  anns  an 
ochdamh  linn  deug.  Tha  'n  t-Easbuig  Butler 
ag  radh  gu'n  do  thuit  an  creidimh  cho  iosal,  's 
gu'n  robhtar  an  duil  nach  b'  fhiach  e  argun)aid 
a  dheanamh  uime.  Am  measg  luchd  nam  peann 
a  bha  mu'n  cuairt  air  Maciain  ann  an  Lunnainn, 
bha  dithis  nach  robh  creidsinn  idir  ann  an  Dia 
mu  choinneamh  gach  fir  a  bha.  'Nuair  a  bheirt- 
eadh  tarruing  air  Dia  is  neo  bhasmhorachd  an 
anma,  cha  deanadh  iad  ach  gaire,  agus  bha. 
eadhoin  pearsachan  eaglais  ann  an  ionadan  arda 
a  dheanadh  magadh  's  a'  chiiil  air  an  ni  a  bha 
iad  a'  teagasg  am  follais.  Tha  moran  de 
litreachas  an  la  ud  a  dh'  fhagas  droch  bhlas  am 
beul  na  feadhnach  aig  a  bheil  inntinn  ghlan  is 
spiorad  fallan  anns  nach  do  bhasaich  urram  do 
nithean  neo- fhaicsinneach.  Ach  cha  dean 
leabhraichean  Mhic  Iain  sin.  Cha  do  sgriobh 
e  aon  fhacal  a  bheireadh  oilbheum  do  chridhe 
no  do  chreidimh  neach  eile.  Chuir  e  roimhe 
nach  d'  thugadh  e  gnuis  do  leabhar  sam  bith 
mur  deanadh  e  diadhaidheachd  ionmholta  is 
maitheas  ionmhiannaichte.  Bha  inntinn  a  bu 
gheire  's  a  bu  chomasaiche  aig  an  Urramach 
Swift  na  bh'  aig  Maciain,  ach  tha  sgriobh- 
aichean  an  trusdair  sin  is  sgriobhaichean  an 
Ollaimh  choir  cho  eucoltach  ri  cheile  'sa  tha  fail 
na  muice  ri  tios  cubhraidh.  Tha  e  'na  chleachd- 
adh  aig  baird  comhnadh  na  Ceolraidh  iarraidh 
ma'n  toisich  iad  air  an  dan,  ach  dh'  iarr  Maciain 
comhnadh  an  Spioraid  Naoimh.  M'an  do  thois- 
ich  e  air  a'  "Chuairteir"  sgriobh  e  an  urnuigh  so^ 


48 


"  A  Dhe  uile-chumhachdaich,  cha  'n  'eil  'n  ar 
saothair  ach  diomhanas  gun  do  chuideachadh,  's 
•cha  'n  'eil  'n  ar  gliocas  ach  amaideas  gun  do  ghras; 
thoir  domh  amis  an  ni  so  a  ghabh  mi  os  laimh 
comhnadh  do  Spioraid  Naoimh,  chum  gu'n  gloraich 
mi  t-ainm  's  gu'n  ruig  mi  fein  is  daoin'  eile  air  a' 
bheatha  shiorruidh." 

Bha  e  'na  chleachdadh  aige  daonnan  air  Di- 
domhnaich  na  Caisge  suidh'  aig  bord  a'choman- 
achaidh,  agus  tha  e  soillier  gu  'm  biodh  e 
deanamh  mar  dh'  iarr  an  t-abstol — Ceasnaichibh 
sibh  fein  m'an  ith  sibh  an  taran  so  's  m'an  61 
sibh  an  cupan  so.      Sgriobh  e  'na  leabhar-latha. 

'■Bha  mi  air  a' bhliadhna  so  cho  diomhaineach 
's  gu  bheil  mi  eagail  orm  an  t-sacramaid  a  ghabhail. 
Ach  theid  mi  an  lathair  Dhe  le  irioslachd,  an 
dochas  nach  bris  e  a'  chuilc  bhruite.  Bhoidich  mi 
-cho  bitheanta  's  gu  bheil  eagal  orm  boidean  ur  a 
-dheanamh.     Ach  ni  mi  iad  so  a  rithist. 

Aoradh  a  thoir t  do  Dhia  Tit's  dtchiollaiche 

Do  I  dd'n  eaglais  a  h-idle  Sabaid 

Na  Sgriobtuirean  a  rannsachadh 

Eiridli  aig  sia  uairean^  jna's  urrainn  mi. 

Leisg  is  fion  ro-laidir  a  sheachnadh. 

Mo  skeoniar's  mo  leabhraichean  a  si^oblackadh,^' 

Caisg  an  deigh  Caisge,  bha  e  cur  roimhe 
•eiridh  na  bu  Iraithe  ach  cha  'n  'eil  e  coltach 
gu'n  deachaidh  leis.  Thoisich  e  'n  toiseach 
le  bhi  bbideachadh  gu'n  eireadh  e  aig  sia,  ach 
niu  dheireadh  chuir  e  gu  h-ochd  e.  Mar  bu 
bhitheanta,  bhiodh  e  'n  deigh  mheadhoin-la 
m'am  fagadh  e  'n  leaba. 

Dl-DOMHNAICH     NA     CaISGE. 

"A  Dhe  uile  chumhachdaich,  a  chaomhain  mo 
bheatha  gus  an  la  so,  's  a  thug  dhomh  cothrom  eil' 
air  fulangas  is  bas  mo  Shlanaigheir  a  chuimh- 
neachadh,  seall  thairis  air  mo  pheacanna,  agus 
cuidich  leam  ciil  a  chur  riu.  Ma's  e  do  thoil  e, 
thoir  faochadh  dhomh  o'n  phian  a  tha  cradh  mo 
chuirp  's  o'n  neul  dorcha  a  tha  luidh  air  m'  inntinn. 
Saor  mi  o  sprochd  's  o  eagal,  agus  cuidich  leam 
buaidh  fhaotainn  air  na  failingean  a  tha  seasamh 
eadar  rium  is  diadhaidheachd.  Neartaich  mo  thoil 
is  ceartaich  mo  smuaintean,  agus  mar  tha  mi  fas 
ann  am  bliadhnachan  cuidich  leam  mar  an  ceudna 
fas  ann  an  creidimh,  ann  an  gradh  's  ann  am  fior 
naomhachd." 

Bha  Maciain  buailteach  do  leann-dubh  a' 
chuid  bu  mhotha  d'a  bheatha  agus  b'aithne  dha 
'na  fhiosrachadh  fein  ciod  a  bha  'n  Salmadair  a' 
ciallachadh  le  'uamhasan  na  h-oidhche.'  Cha 
bu  chuimhne  leis  aon  latha  anns  nach  robh 
bhodhig  air  a  cradh  le  dbruinn,  ach  ghiulain  e  le 
eucailean  cuirp  gu  faighidneach,  gun  ghearan. 
Bha  e  'na  chleachdadh  aige  bhi  trasgadh  an 
drasd  's  a  rithist,  gu  sonruichte  roimh  Shabaid 
na  Caisge  agus  air  co-ainm  an  latha  air  an  do 
shiubhail  a  bhean. 

"Cuidich  leam,  a  Dhe,  a  bhi  stuama  'nam  bhiadh, 
's  'nam  dheoch,  's  'nam  chadal,  chum  gu'm  bi  m' 
inntinn  soilleir  's  mo  chridhe  foisneachail  airson  do 
sheirbhis.  Na  toir  bhuam  do  spiorad  ach  saor  mi 
o  eagal  a'  bhaisagusnochd  dhomh  do  throcair  ann 
;an  losa  Criosd." 


Ann  an  1783  'nuair  a  bha  e  ceithir  deug  is  tri 
tri  fichead  bliadhn'  a  dh'  aois  bhuail  am  pairilis 
e,  agus  thug  e  an  cunntas  so  air  a  thinneas  ann 
an  litir  do  bhan-charaid. 

■' Air  feasgar  Di-luain  fhuair  mi  aotramachadh, 
bha  mi  faireachduinn  gu  beothail,  's  chuir  mi  cuis- 
ean  an  ordugh  chum  toiseachadh  air  obair.  Chaidh 
mi  luidhe,  ach  an  ceann  greis  dhuisg  mi.  Dh' 
fhairich  mi  tuainealaich  is  troimh  cheile  am  cheann, 
a  mhair  leth  mionaid.  Chuir  an  rud  eagal  orm, 
agus  ghuidh  mi  air  Dia  buadhan  m'  inntinn  a 
chaomhnadh,  ciod  air  bith  a  dh'  eireadh  do  'm 
bhodhaig.  Rinn  mi  an  urnuigh  so  ann  an  Laid- 
ean?i,  feuch  an  iuiginn  co  dhiic  a  dK  jhalbh  mo 
bhuadlian  no  nach  d"  fhalbh.  Cha  robh  'n  Laideann 
a  chuir  mi  ri  cheile  ro  shnasmhor,  acli  bha  lanfhios 
again  Jiach  robh,  agus  uaithe  so  thug  mi  nach  do 
chain  mi  mo  mheomhair.  An  ceann  greis  dh' 
aithnich  mi  gur  h-e  'm  pairilis  a  bh'  ann,  's  gu'n  do 
chain  mi  mo  chainnt.  Cha  d'  fhairich  mi  pian  sam 
bith,  ach  bha  ioghnadh  orm  nach  do  chuir  galair 
cho  uamhasach  an  tuilleadh  eagal  orm  's  a  rinn  e, 
agus  smuainich  mi  gu'm  faod  e  bhith  gu'n  caill  am 
b^s  fhein,  'nuair  a  thig  e  dliith,  an  t-uamhas  a  tha 
ceangailte  ris,  'nuair  tha  e  fad  air  falbh.  Dh'  ol 
mi  dk  ghloine,  los  fuasgladh  a  thoirt  do'n  teangaidh. 
Thatar  ag  radh  nach  'eil  rud  a's  fhearr  no  fion  a 
thoirt  fuasgladh  facail  do  'n  teanga  mhabaich. 
Chrath  mi  mi  fhein,  ach  cha  tigeadh  diog.  Chaidh 
mi  do  'n  leabaidh  a  rithist,  agus  tha  mi  'n  dull  gu'n 
d'  fhuair  mi  norradh  cadail.  Aig  teachd  an  latha, 
chnuasaich  mi  ciod  a  dheanainn.  Ged  a  thug  Dia 
comas  na  teanga  bhuam,  dh'  fhag  e  comas  na 
laimhe  agam.  Chuir  mi  fios  air  lighichean.  Tha 
iad  uile  anabarrach  caoimhneil  's  tha  iad  a'  toirt 
dhomh  deagh  mhisneach.  Thainig  mo  chainnt  air 
ais  thugam,  ann  an  tomhas,  agus  theid  agam  air 
uirnigh  an  Tighearn  a  radh." 

Ma  choimeasar  gearan  is  ciuchran  na  feadh- 
nach  d'  fhairich  riamh  rud  a's  miosa  no'n  deid- 
eadh  ri  spiorad  laidir  is  faighidin  an  duine  so, 
tuigear  nach  bu  ghealtair  e  ann  an  stri  na 
beatha.  Bha  eagal  air  roimh  'n  bhas,  agus  b' 
abhaist  dha  bhi  'g  radh  gu'n  robh  a'  cheart  eagal 
air  a  h-uile  duine,  nan  innseadh  iad  an  fhirinn. 
Ach  'nuair  thainig  am  bas  'ga  ionnsuidh,  dh' 
fhalbh  an  t-eagal.  Bea^an  m'  an  do  sbuibhal  e, 
dh'  iaiT  e  an  t-Sr.cramaid  Naomh  a  thoirt  dha 
'na  sheomar  agus  labhair  e  an  uirnigh  mu  dheir- 
eadh  so. 

"  Athair  Uile-chumhachdaich  Uile-throcaireach, 
tha  mi  nis  a'  cumail  cuimhn'  air  bas  mo  Shlanuigh- 
's  m'  Fhear  saoraidh,  a  reir  coltais  air  son  na  h-uaire 
deireannaich.  's  tha  mi  guidhe  gu'n  neartich  thu  m' 
earbsa  ann  an  eifeachd  'iobairt-san  's  ann  ad  throc- 
air fein.  Gabh  ri  m'  aithreachas,  ged  nach  'eil  e 
iomlan  ;  neartaich  mo  chreidimh  leis  an  t-sacram- 
aid so,  daingich  mo  dhochas  agus  meudaich  mo 
ghradh.  Dean  trocair  orm,  a  Dhe,.  agus  maith 
lionmhoireachd  m'  fliailingean.  Beannaich  mo 
chairdean  agus  nochd  do  throcair  do  na  h-uile 
dhaoine.  Cum  suas  mi  le  d'  Spiorad  Naomh  ann 
an  latha  mo  laigse  agus  aig  uair  a'bhais,  agus  gabh 
ri  m'  spiorad  air  sgath  Chriosd.     Amen." 


1 


* 

M 


1 

4 


4 

,3 


Air    1. 


1910. 


BLIADHNA    1910. 


Faodar  iomadh  atharrachadh  fhaicinn  m'an  tig 
deireadh  na  bliadhna  so,  a  thaobh  ciiisean  na 
rioghachd  's  a  thaobh  cuisean  na  h-eaglais  an 
Albainn.  Tha  Pharlamaid  air  a  cur  ma  sgaoil, 
's  tha  cothrom  air  a  thoirt  do'n  duthaich  Parlani- 
aid  ur  a  thaghadh.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  bi 
iipraid  is  buaireas  an  cois  an  taghaidh  sin,  ach 
faodar  Ian  earbs'  a  chur  ann  an  guth  an  t-sluaigh. 
Ged  a  chuireas  corra  ghaotharan  sios  a'  chrois 
air  paipeir,  le  moran  teas  is  beagan  tuigse,  ni  a' 
mhor-chuideachd  an  dleasdanas  gu  reidh,  ciall- 
ach.  A  reir  gnaths  na  duthcha  so,  is  treise 
Tuath  no  Tighearna  ;  agus  ann  an  gean-maith 
an  t-sluaigh,  tha  neart  na  rioghachd  is  tearuint- 
eachd  a'  Chriiin.  Cha  'n  'eil  Eaglais  na  h-Alba 
a'  gabhail  gnothuich  ri  nithean  nach  buin  dhith, 
's  cha  mho  a  tha  i  'g  iarraidh  air  a  daoine  seas- 
amh  air  taobh  seach  taobh.  Tha  i  'g  am  fagail 
aig  saors'  an  toile  fein.  Aig  aon  am,  dh'fheuch 
a  naimhdean  ri  'c5raichean  a  thoirt  uaipe,  's 
an  ceangal  a  tha  eadar  i  fhein  's  an  staid 
fhuasgladh,  agus  bha  e  iomchuidh  gu  'n 
gairmeadh  i  air  a  sluagh,  aig  an  am  sin,  seasamh 
gu  duineil  an  aghaidli  na  feadhnach  a  bha  'bag- 
radh  an  uilc.  Rinn  iad  sin,  agus  ni  iad  a  rithist 
e,  ma  thogas  an  namhaid  a  ceann.  Ach  ma 
leigear  tamh  leatha,  cha  ghabh  an  eaglais  iolla  ri 
obair  Chumantan  no  Mhorairean,  's  cha  teid  i 
's  an  eadargain  'nuair  a  bhios  Tories  is  Kaduals 
a'  connsachadh.  A  mach  o  'cbraichean  fhein, 
cha  'n  'eil  i  gabhail  gnothuich  ri  rud  sam  bith 
ach  ris  an  obair  spioradail  a  thugadh  dhith  ri 
dheananih,  's  cha  'n  'eil  claon  bhkigh  aice  ri 
taobh  seach  taobh.  Cha  'n  'eil  i  ann  an  eiseimeil 
neach  sam  bith,  ard  no  iosal. 

Ach  ma  thig  ceisdean  mora  air  beulaobh  na 
Parlamaid  am  bliadhna,  thig  aon  ghnothuch 
cudthromach  air  beulaobh  nan  eaglaisean.  Is  e 
sin  an  t-Aonadh.  An  uiridh  chuir  an  Eaglais 
Steidhichte  's  an  Eaglais  Shaor  Aonaichte  daoin' 
air  leth,  taobh  air  thaobh,  feuch  an  tigeadh  iad 
gu  cordadh,  Tha  e  fior  nach  gabh  an  gnothuch 
reiteachadh  ann  am  prioba  na  sula,  ach  tha  Ian 
am  aig  sluagh  Albainn  stad  a  chur  air  an  stri  's 
air  a'  cho-fharpuis  a  tha  eadar  da  eaglais,  aig  a 


bheil  an  aon  teagasg,  an  aon  seorsa  riaghlaidh, 
's  an  aon  mhodh  aoraidh.  Ann  an  iomadh 
sgireachd  tha  na  h-eaglaisean  a'  fas  lionmhor 
agus  an  sluagh  a'  fas  gann.  Chithear  tri  is 
ceithir  togalaichean  far  nach  eil  feum  ach  air  aon 
Xi.  Tha  e  'cur  dealachaidh  eadar  choimhears- 
nach,  a'  toirt  airgid  as  am  pbcannan  a  dh' 
fhaodadh  a  bhi  air  a  chur  gu  feum  a  b'  fhearr, 
agus  a'  dusgadh  annta  fuachd  is  naimhdeas  is 
droch  nadur  nach  'eil  a  reir  spiorad  an  t-soisgeil. 
Tha  e  maslach  do  dhuthaich  Chriosdail  gu'm 
biodh  airgiod  a'  dol  a  dholaidh,  a'  cumail  suas 
mhinistearan  air  nach  'eil  feum,  's  a'  dublachadh 
eaglaisean  a  bhios  gu  brath  leth-fhalamh,  'nuair 
tha  na  miltean  air  nach  do  rainig  an  soisgeul 
fhathast  air  an  dearmad,  le  cion  airgid.  Nan 
tigeadh  an  Slanuighear  air  ais  do'n  t-saoghal  an 
diugh,  ciod  a  theireadh  e  ri  suidheachadh  nan 
eaglaisean  an  Albainn?  Anns  an  iirnigh  a  rinn  e 
aig  crioch  a  thuruis  ghuidh  e  air  an  Athair,  "gu'm 
biodh  iadsan  a  chreideas  annam-sa  'nan  aon, 
chum  gu'n  creid  an  saoghal  gu'n  do  chuir  thusa 
uait  mi."  Tha  eas-aonachd  na  h-eaglais  Phrost- 
anaich  an  Albainn  'na  chuis  naire  am  fianuis 
dhaoine,  ach  tha  e  'na  pheacadh  am  fianuis  Dhe. 
Tha  e'  toirt  cothrom  do'n  namhaid  toibheum 
a  labhairt,  's  a'  milleadh  obair  na  h-eaglais  anns 
an  tir.  A  thaobh  nithean  spioradail,  cha  'n  'eil 
lend  na  roinneig  eadar  an  da  eaglais.  Cha  'n 
e  puingean  creidimh  a  tha  'g  an  cumail  o  cheile, 
ach  an  dannarrachd. 

Tha  e  fior  nach  ann  aig  an  Eaglais  Steidhichte 
a  tha  choire.  Cha  'n  ise  a  dh'  fhag  iadsan,  ach 
iadsan  a  dh'  fhag  ise.  Bha  aobhar  air  a  sin  aig 
an  am,  ach  is  fhad  o'n  thugadh  as  an  rathad  an 
rud  a  bha  cur  dragh  air  coguis  na  feadhnach  a 
dhealaich  rithe  ann  an  1843.  Dh'  fhag  iad  i  a 
chionn  nach  robh  cothrom  aig  a'  choimhthional 
am  ministear  fhein  a  thaghadh.  Tha  'n  cothrom 
sin  aig  an  Eaglais  Steidhichte  an  diugh  cho 
mhaith  ris  an  Eaglais  Shaoir,  agus  nam  b'e  diugh 
an  dfe,  cha  robh  eaglais  na  h-Alba  'na  da  bhloigh 
mar  tha  i.  Ach  tha  'n  cron  deanta,  agus  is  e 
cheisd  a  nis — ciamar  a  leasaichear  cuisean.  Tha 
cuid  de  mhuinntir  na  h-Eaglais  Steidhichte  a  tha 
meogh  bhlath  mu'n  Aonadh  agus  is  e  their  iad — 
leigeamaid  leotha  gus  an  togair  iad  tighinn  air 
an  ais,  tha  ar-n  eaglais-ne  a'  buannachd  gruinnd 
gach  latha,  's  cha'n  'eil  fath  cabhaig  ann.  Ach 
tha  sinn  an  dochas  nach  'eil  an  aireamh  dhaoine 


so  mor.  Tha  e  fior  gu  bheil  an  Eaglais  Steidh- 
ichte  ni's  laidire  an  diugh  no  bha  i  o  chionn  tri 
fichead  bliadhna,  's  gu  bheil  i,  uigh  ar  n-uigh,  a' 
fas  ni's  treise,  gu  sonruichte  anns  na  sgireachdan 
duthcha,  ach  tha  e  fior  cuideachd  nach  ruig  i  a 
leas  fiuthair  a  bhi  oirre  gu'n  tig  na  feadhainn  a 
dh'  fhag  i  ann  an  1843  air  an  ais  thuice  mar  a 
dh'  fhalbh  iad,  cho  fad  's  a  tha  nadur  mhic  an 
duine  an  ni  a  tha  e.  Nan  tigeadh,  bhiodh  sin 
'na  aidmheil  fhollaisich  nach  h-urrainn  an 
Eaglais  Shaor  Aonaichte  a  bith  fhein  fhirean- 
achadh  fa  chomhair  sluagh  Albainn.  Bhiodh  e 
ionnan  's  gun  abradh  i — tha  sibhse  ceart  's  tha 
sinne  cearr,  ach  thoiribh  dhuinn  maitheanas  is 
tillidh  sinn  thugaibh  an  sac-eudach  's  an  luaithre. 
Cha  'n  iarr  duine  turail  no  onarach  sam  bith 
oirre  sin  a  radh  no  dheanamh.  Ma  tha  aonadh 
ri  bhi  ann,  feumaidh  sinne  nithean  a  thabhairt 
cho  mhaith  ri  nithean  iarraidh  ;  feumaidh  sinn 
coinneachadh  riu  ann  an  doigh  reusanta.  Ma's 
maith  ar  barail,  tha  'n  Eaglais  Steidhichte  deas 
gu  sin  a  dheanamh.  Is  ise  mathair  chaich,  agus 
tha  e  freagarrach  gur  h-ann  uaipe  a  ihigeadh  a' 
cheud  taiigse.  Dh'iarr  i  air  each  coinneachadh 
rithe  feuch  am  faicteadh,  anns  a'  cheud  aite,  ciod 
a  tha  cumail  nan  eaglaisean  o  cheile,  agus,  anns 
an  dara  aite,  ciod  a  ghabhas  deanamh  chum  am 
balla  dealachaidh  a  bhriseadh  sios.  Thug  an 
Eaglais  Shaor  Aonaichte  freagradh  do'n  chuir- 
eadh;  chuir  i  air  leth  a  daoine  chum  na  daoin' 
againne  a  choinneachadh,  agus  tha  'n  gnothuch 
mar  sin  an  drasd.  Bha  coinneamh  eadar  an  da 
thaobh  cheana,  ach  cha  'n  aithne  dhuinn  ciod  a 
rinn  iad,  ach  thatar  ag  radh  gu'n  robh  iad  ciallach 
gu  leor,  's  gu'n  d'  fhailtich  iad  a  cheile  le  deagh 
aoibh.     Is  mor  sin  fhein  ;  bha  la  eil'  ann. 

Cha  ghnothuch  so  a  bhuineas  do  mhinistearan 
no  do  phearsachan  eaglais  a  mhain,  ach  do'n 
t-sluagh  uik.  Ma  tha  iadsan  air  son  Aonaidh, 
tha  comas  aca  an  guth  a  thogail  agus  thig  an 
t-Aonadh  ;  ach  ma  tha  iad  caoin  shuarach  uime, 
cha  ruigear  a  leas  a  bhi  bruidhinn  air.  Is  ann  a 
pocannan  an  t-sluaigh  a  Iha  'n  t-airgiod  a  tha 
cumail  suas  nan  eaglaisean  a'  tighinn,  agus  ma 
dh'  fhairtlicheas  argumaidean  eile,  faodaidh  iad 
argumaid  an  sporain  a  chleachdadh.  'Nuair  a 
theirgeas  connadh,  stadaidh  obair. 

Tha  sinn  an  dochas  gu'n  cum  buill  na  h-eaglais 
suil  air  a  ghnothuch  so,  agus  gu'n  neartaich  iad 
anns  gach  doigh  a's  urrainn  dhaibh  lamhan  na 
feadhnach  a  tha  feuchainn  ri  cordadh  a  dhean- 
amh. Bhiodh  e  na  bheannachd  mhor  do  dh' 
Albainn  nam  biodh  againn  aon  eaglais  ghasda, 
an  aite  nan  criomagan  anns  a  bheil  i  an  diugh 
air  a  roinn.  Bhiodh  fianuis  na  h-eaglais  air 
taobh  a'  Chreidimh  na  bu  laidire  no  tha  e,  agus 
chitheadh  an  saoghal  gur  braithrean  iadsan  uile 
aig  a  bheil  an  aon  Mhaighstir,  an  aon  Chreidimh, 
agus  an  aon  Dochas. 


AN  TIGH  NAOMH  AGUS  MAISEACH. 


[Is  e  so  pairt  de'n  t-searmoin  a  bh'  air  a  liubhairt 
leis  an  OUamh  Tormoid  Mac  Leoid  aig  fosgladh 
na  h-eaglais  iiire,  ann  an  Sgireachd  Hionapuill  an 
Eilein  Thiriodh,  anns  a'  Mhart  1903]. 


'^ Deanaibh  seirbhis  do  lehbbhah  le  aoibhneas  ; 
thigibh  'na  lathair  le  oran  ait.  Thigibh  a  steach 
'na  gheatachan  le  buidheachas,  'na  chiiirtean  le 
moladh  ;  thugaibh  buidheachas  dha,  beannaichibh 


ainm. 


-Salm 


100. 


I.  Anns  na  briathran  brioghmhor,  blasda,  a 
tha  an  so,  tha  sinn  air  ar  teagasg  gur  ann  le  mor 
aoibhneas  cridhe  a  bu  choir  dhuinn  an  comh- 
nuidh  a  bhith  a'  feitheamh  air  Dia  ann  an 
6rdaighean  follaiseach  a  thighe,  a'  tarraing  uisge 
le  aoibhneas  a  tobraichean  na  Slainte.  Tha  e 
fior  gu  bheil  an  aitreabh  a's  maisiche  a's  urrainn 
do  lamhan  dhaoine  a  thogail  'nar  la  agus  'nar 
linn  f6in,  air  son  aoradh  follaiseach  an  Tighearna, 
eu-cosmhail  air  iomadh  doigh  ris  an  TeampuU  a 
bha  ann  an  Jerusalem.  An  sud  anns  an  Team- 
pull,  bha  Dia  r'a  fhaotainn  air  mhodh  nach  robh 
sin  comasach  ann  an  aite  sam  bith  eile  fo  'n 
ghrein.  An  sud  rinn  e  'ainm  mor  f^in  aithnichte, 
agus  dh'  fhoillsich  e  a  ghloir  mar  nach  do  rinn  e 
sin  ann  an  ionad  sam  bith  eile.  An  sud  bha 
Aire  a'  Chumhnaint,  agus  cathair  na  trocair,  agus 
ceruban  na  glbire  a'  sgaoileadh  a  mach  an 
sgiathan  os  a  cionn,  mar  shamhladh  air  lathair- 
eachd  agus  air  gras  an  Uile  chumhachdaich. 
Cha  'n  iongantaich,  uime  sin,  gu'n  robh  aoibh- 
neas am  measg  an  tsluaigh  an  uair  a  chaidh  an 
cuireadh  beannaichte  so  fada,  iarsaing,  air  feadh 
an  criochan  gu  leir — "  Eiribh  agus  rachamaid  do 
thigh  an  Tighearna."  Is  cuireadh  so  nach  'eil 
air  a  liubhairt  an  diugh  do  phobull  sam  bith  anns 
a'  cheart  seadh  anns  an  robh  e  air  a  liubhairt  do 
Chlann  Israeli  ann  an  Tir  a'  Gheallaidh.  An 
Teampull  gus  an  deachaidh  iadsan  a  suas  le 
"aoibhneas  agus  le  bran  ait "  chaidh  a  thilgeil 
bun  OS  cionn.  Bho  chionn  beagan  bhliadh- 
naichean  chunnaic  mi  le  m'  shuilean  fein  na 
laraichean  briste  a  tha  a'  comharrachadh  a  mach 
an  aite  far  an  do  sheas  e  re  iomadh  linn  ann  an 
greadhnachas  a  ghabh  seachad,  mar  a  ghabh- 
as uile  ghreadhnachas  an  t-saoghail  chaoch- 
laidich  so  seachad.  Is  gann  gu'n  d'  fhagadh 
clach  air  muin  cloiche.  Ach  ged  nach  ionann 
nasochairean  a  tha  sinne  a  nis  a' mealtainn  agus 
sochairean  Chlann  Israeli,  an  uair  a  bha  an 
Teampull  'na  sheasamh  ann  an  ailleachd  cho 
briagh  's  a  chunnaic  suilean  mhic  an  duine 
riamh,  is  sochairean  iad — na  sochairean  spiorad- 
ail  a  tha  sinne  a'  sealbhachadh — ^a  tha  mdran 
na's  iirde  agus  mdran  na's  luachmhoire;  na's  airde 
agus    na's   luachmhoire  anns  a'  cheart    tomhas 


-f 


I 


anns  a  bheil  solus  grianach  an  t-Soisgeil  na's 
soilleire  na  bha  an  solus  fann  anns  an  robh  iad- 
san  ag  imeachd  anns  an  6g  mhadainn,  m'  an  d' 
dirich  Grian  na  Fireantachd  le  slainte  fo  a 
sgiathan.  Cha  'n  'eil  lathaireachd  an  Tighearna 
a  nis  fuaighte  ri  aite  seach  a  ch^ile.  Thainig  an 
la  mu  'n  do  labhair  ar  Slanaigheir  beannaichte 
an  uair  a  thubhairt  e  ri  bean  Shamaria — "  Tha 
an  uair  a'  teachd,  agus  tha  i  nis  ann,  anns  an 
dean  am  fior  luchd-aoraidh,  aoradh  do  'n  Athair 
ann  an  spiorad  agus  ann  am  firinn  :  oir  an  leithid- 
ean  so  tha  an  t-Athair  ag  iarraidh  gu  bhith  'nan 
luchd-aoraidh  dha."  Ach  ged  a  thainig  an  la 
sin — gloir  do  Dhia  I — tha  e  an  diugh  mar  bha 
e  riamh,  a  reir  toil  an  Tighearna  gu'm  bitheamaid 
a'  feitheamh  air  ann  an  ordaighean  follaiseach  a 
thighe  ;  a'  deanamh  seirbhis  dha  le  aoibhneas  ; 
a'  tighinn  'na  lathair  le  oran  ait ;  a'  toirt  buidh- 
eachais  d'a  ainm.  Cha  deachaidh  neach  riamh 
an  aghaidh  toil  agus  iarrtas  Dhe  gun  a  bhith  a' 
fulang  call ;  agus  is  e  call  a  bhios  ann  do'n  duine 
sin  a  dhiiiltas  g€\\\  a  thoirt  do  'n  chuireadh  a  tha 
a'  diisgadh  gairdeachais  am  measg  bithean  alainn 
nam  flaitheas,  agus  ann  an  cridhe  nan  naomh  air 
thalamh — "O  thigibh,  sleuchdamaid  agus  crom- 
amaid  sios  ;  tuiteamaid  air  ar  gliiinean  an  lathair 
lehobhah  a  rinn  sinn  :  oir  is  esan  ar  Dia,  agus 
is  sinne  sluagh  'ionaltraidh-san  agus  caoirich  a 
laimhe."  Tha  e  fior,  mar  a  thubhairt  mi,  gu  'm 
faodar  Dia  iarraidh  ann  an  aite  sam  bith.  Ach 
tha  gealladh  sbnraichte  ann,  ris  am  faod  siiil  a 
bhith  againn,  an  uair  a  tha  sinn  a'  tighinn  cruinn 
maille  ri  cheile  ann  an  ainm  losa  Criosd.  "  Is 
ionmhainn  le  lehobhah  geatachan  Shioin  thar 
uile  ionadancbmhnuidh  lacoib."  "Far  a  bheil 
(ars'  esan)  dithis  no  triiiir,  air  an  cruinneachadh 
an  ceann  a  chdile  ann  am  ainm-sa,  tha  mise  an 
sin 'nam  meadhon."  "Ann  am  ainm-sa" — a 
reir  m' aithne  agus  °m' eisimpleir  (mar  gu'n  d' 
thubhairt  e) — le  Ian  earbsa  ann  an  toillteanas  na 
fala  a  dh6irt  mi — le  be6  iarrtas  an  t6ir  air  na 
beannachdan  spioradail  a  tha  mise  a'  buileach- 
adh — ag  amharc  am  ionnsaidh — ag  aslachadh 
cbmhnadh  mo  Spioraid-sa-  an  sin  tha  mise  a 
lathair  maille  riu.  Cha  'n  'eil  brigh  no  eifeachd 
sam  bith — an  ruig  mi  a  leas  a  bhith  ag  radh 
ruibh  ? — ann  an  brdaighean  follaiseach — ann  an 
sailm — an  iirnaigh — ann  an  searmoin — ann  an 
sacramaid — as  eugmhais  beannachd  Dhe.  Faod- 
aidh  sibhse  teachd  do  'n  tigh-aoraidh  so  air  gach 
Sabaid  air  feadh  na  bliadhna,  agus  a  bhith  cho 
fada  air  falbh  o  Dhia  's  a  bha  sibh  riamh.  Is  e 
beannachd  an  Tighearna  e  fein  a  tha  a'  fagail 
tigh-aoraidh  sam  bith  araon  "naomh  agus  mais- 
each."  Ged  a  thogteadh  e  le  clachan  luachmhor, 
ged  robh  e  air  a  sgeadachadh  le  or  agus  le  airgead 
agus  le  seudan  priseil,  cha  bhiodh  e  ach  'na 
thigh  gun  ailleachd  is  gun  dreach  ma  's  e  agus 
nach  robh  gibir  agus  lathaireachd  an  Tighearna 
'ga  lionadh.      A  bhith   air  ar  toirt  am  fagus  do 


Dhia  f^in  trid  losa  Criosd,  a  bhith  a'  mealtainn 
co-chomainn  maille  ris,  a  bhith  a'  faicinn  a 
chumhachd  agus  a  ghlbir  'na  ionad  naomh,  a 
bhith  air  ar  sasachadh  gu  mbr  le  saill  a  thighe, 
agus  a  bhith  ag  bl  gu  pailt  d'a  shblasan — O  so  a' 
chrioch  araid  a  bu  chbir  a  bhith  an  cbmhnuidh 
'nar  beachd  agus  'nar  riin  an  uair  a  tha  e  air  a 
radh  ruinn,  "  Rachamaid  gu  tigh  na  Tighearna." 
Ciod  a'  bhuannachd  a  bhiodh  againne  ged  a 
thigeamaid  gu  tigh  an  Tighearna,  ma's  e  agus 
nach  robh  sinn  air  ar  toirt  am  fagus  do  Dhia  e 
fein,  agus  nach  robh  cochomann  dluth  agus 
sblasach  againn  maille  ris  fdin  ?  Nach  cuimhne 
leibh  mar  a  thubhairt  losa  an  uair  a  chaidh  e 
steach  do  TheampuU  Dhe  agus  a  thilg  e  mach 
iadsan  uile  a  bha  a'  reic  agus  a'  ceannach  anns 
an  TeampuU — "Tha  e  sgriobhte  (ars'  esan), 
Goirear  tigh-iirnaigh  de  m'  thig-sa  "  ?  So  ni  ro 
chudromach  a  tha  mbran  a  di-chuimhneachadh. 
Tha  an  suil  air  a'  mhinisteir,  ma  dh' fhaodteadh, 
agus  e  ag  urnaigb,  ach  cha'n  'eil  an  cridhe  agus 
an  inntinn  f^in  a'  del  an  cois  na  h-firnaigh — cha 
'n  'eil  iad,  gach  aon  fa  leth,  a'  gairm  air  ainm  an 
Tighearna.  Theagamh  gu  bheil  an  smaointean 
luaineach  a'  ruith  an  deidh  nithean  amaideach, 
no,  co-dhiiibh,  nithean  saoghalta  agus  suarach. 
O  feuchaibh,  rao  luchd-^isdeachd  gradhach, 
gu'm  bi  meas  mbr  agaibh  air  an  "  tigh  naomh 
agus  mhaiseach"  a  tha  an  so,  cha  'n  ann  a  mhain 
mar  nach  robh  ann  ach  tigh-searmonachaidh, 
ach  mar  thigh  na  h-urnaigh,  anns  am  bi  sibh  a' 
tarraing  dliith— fior  dhliith — ri  Dia  e  fdin,  ag 
aideachadh  bhur  peacaidhean,  ag  aslachadh 
trbcair  trid-san  a  bhasaich  air  ar  son  agus  a  dh' 
^irich  a  ris,  a  tha  nis  'na  Shlanaigheir  beb  agus 
uile-chumhachdach  aig  deas-lamh  na  rabrachd 
far  a  bheil  e  gu  siorruidh  a'  riaghladh  ann  an 
glbir,_  a'  feitheamh  gus  an  bi  na  h-uile  nithean 
air  an  cur  mar  stbl-chos  fo  a  chasan.  Co-dhiubh 
a  tha  sinn  a'  seinn  shalm,  no  laiodhean  spioradail 
eile ;  co-dhiubh  a  tha  sinn  'ga  dheanamh  so  le 
inneil-chitiil,  na  as  an  eugmhais — oir  tha  sinn  fo 
lagh  na  saorsa  ann  an  nithean  de  'n  t-sebrsa  sin, 
agus  cha  'n  fhiach  e  bh-ith  ri  cbmhstrl  m'  an 
deidhinn — is  e  an  t-aon  ni  feumail  a  bhith  a' 
mothachadh  lathaireachd  an  Tighearna,  agus  a 
bhith  le  creideamh  beb  a'  togail  a'  chridhe  g'a 
ionnsaidh  trid  losa  Criosd.  An  so,  anns  an 
ionad  naomha  so,  mo  chairdean,  O  feuch  gu'm 
bi  sibh  a'  deanamh  seirbhis  do  lehbbhah  le 
aoibhneas,  a'  tighinn  'na  lathair  o  am  gu  ham 
le  bran  ait,  a'  toirt  buidheachais  da,  a'  beann- 
achadh  'ainme,  an  t-ainm  sin  a  tha  os  cionn  gach 
uile   ainm. 

II.  Tha  aobbar  eile  ann  a  bu  chbir  a  bhith 
'gar  CO  eigneachadh  gu  bhith  a' deanamh  seirbhis 
do  lehbbhah  le  aoibhneas.  a'  tighinn  'na  lathair 
le  bran  ait,  a' beannachadh  ainme.  Oir  nach 
ann  gu  bhiih  a' leughadh  agus  ag  eisdtachd 
Facal  an  Tighearna  a  tha  e  nar  fhiachaibh  oiinn 


a  bhith  'g  ar  cruinneachadh  fein  an  ceann  a 
cheile ;  is  e  sin  ann  ann  briathran  eile,  searmon- 
achadh  an  t-Soisgeil  ?  Agus  nach  e  an  Soisgeal 
deagh  sgeul  a'  mh6r  aoibhnis?  "  Na  biodh 
eagal  oirbh  (ars'  esan)  oir  feuch  tha  mi  a'  toirt 
dhuibh  deagh  sgeil  mh6r-aoibhnis  a  bhitheas 
do  'n  uile  shluagh  ;  oir  rugadh  dhuibh  an  diugh, 
ann  am  baile  Dhaibhidh,  Slanaighear  a's  e 
Criosd  an  Tighearna."  Agus  feuch,  "gu  h-obann 
bha  maille  ris  an  aingeal  cuideachd  mhor  a  dh' 
armaih  neimh  a'  moladh  Dh^  agus  ag  radh, 
'  Gldir  do  Dhia  anns  na  h-ardaibh,  agus  air  an 
talamh  sith,  deagh-ghean  am  measg  dhaoine.'" 
Agus  nach  e  so,  buidheachas  do  Dhia  air  a  shon, 
an  Soisgeul  a  tha  sibhse  ag  disdeachd  gach  uair 
a  tha  sibh  a'  dol  a  suas  gu  tigh  an  Tighearna  ? 
"  Gu'n  robh  Dia  ann  an  Criosd  " — nach  priseil 
an  fhirinn  a  tiia  an  so  ! — gu'n  robh  Dia  da-rir- 
eadh  ann  an  Criosd — cha  'n  e  mhain  gu'n  do 
chuir  Dia  Criosd  a  dh'  ionnsaidh  an  t-saoghail, 
no  gu'n  d'  oibrich  Dia  a  mach  a  ruintean  fein 
tre  Chriosd,  ach  gu'n  robh  Dia  ann  an  Criosd, 
gu  bheil  e  ann  an  Criosd  a  nis — Dia  aithnichte 
anns  an  fhebil — a'  deanamh  an  t-saoghail  reidh 
ris  fein,  gun  tlachd  sam  bith  a  bhith  aige  ann 
am  bas  an  aingidh,  ach  m5r-iarrtas  gu'm  pilleadh 
na  h-uile  dhaoine  g'a  ionnsaidh  agus  gu'm  mair- 
eadh  iad  beb — -a'  sineadh  a  mach  gairdeanan 
graidh  g'  an  ionnsaidh,  a'  guidhe  orra  tighinn 
agus  tearainteach  fhaotainn  fo  sgail  a  sgeithe  fein. 
A  bhith  'ga  innseadh  so  do  dhaoine,  'a  tighinn 
thairis  air  a  ris  agus  a  ris,  gus  an  creid  iad  e, 
agus  an  gabh  iad  g'an  ionnsaidh  fh^in  e — so 
teachdaireachd  na  reite.  O  nach  ann  an  so,  mo 
chairdean,  a  tha  an  t-aobhar-gairdeachais  agus 
molaidh  !  Ann  an  Soisgeul  Chriosd  tha  beann- 
achdan  air  an  uigheamachadh  air  son  uireas- 
bhaidh  a'  chinne-daonna  ;  tha  f  uarain  na  beatha 
air  am  fosgladh  suas  ;  tha  tobraichean  na  Slainte 
air  an  leigeil  ris,  agus  tha  cuireadh  aig  gach  duile 
bhochd  air  a  bheil  tart  iad  a  theachd  gun  airgead 
agus  gun  luach  agus  a  bhith  ag  61  de  'n  uisge 
bheb  mu'n  do  labhair  Slanaighear  an  t-saoghail 
an  uair  a  thubhairt  e,  "  Ma  tha  tart  air  neach 
sam  bith,  thigeadh  e  ga  m'  ionnsaidh-sa  agus 
bladh  e  ;  agus  cb  air  bith  a  dh'  bias  de  'n  uisge  a 
bheir  mise  dha  cha  bhi  tart  gu  brath  air  ;  ach  an 
t-uisge  a  bheir  mise  dha,  bithidh  e  'na  thobar 
uisge  ann,  ag  eirigh  suas  a  chum  na  beatha  mair- 
eannaich."  "H6  gach  neach  air  a  bheil  tart, 
thigibh-se  chum  nan  uisgeachan  !  "  Ma  tha  na 
nithean  sin  mar  sin,  mo  chairdean,  nach  math  a 
bhuineas  e  dhuibh,  gach  uair  a  tha  sibh  a'  teachd 
dliith  ri  Dia  anns  an  ionad  naomha  so  a  bhith  a' 
deanamh  seirbhis  do  lehbbhah  le  aoibhneas,  a' 
tighinn  'na  lathair  le  bran  ait,  agus  a'  beann- 
achadh  'ainme  ?  A  bheil  e  aoibhneach  leibh  a 
bhith  a'  cluinntinn  mu  ghradh  'ur  n-Athar  uile- 
ghrasmhoir,  nach  do  chaomhainn  Aon-ghin  Mic 
fein,  ach  a  thug  thairis  e  gu  hk%  eadhon  bas 
dbruinneach  a'  chroinn-cheusaidh,  chum  agus 
cb  air  bith  a  chreideas  ann  nach  sgriosar  e  ach 
gu'm  bi  a'  bheatha  shiorruidh  aige  ?  A  bheil  e 
aoibhneach   leibh   a   bhith  a'  creidsmn  ann  am 


maitheanas  pheacaidhean  gu  saor  air  a  thairgsinn 
dhuibh  trid-san  a  bhasaich  air  ar  son  agus  a  dh' 
eirich  a  ris — a  bhasaich,  am  firean  air  son  nan 
neo-fhirein  ;  a  tha  a'  deanamh  eadar-ghuidhe  air 
ar  son  ;  a  tha  'gar  beannachadh  le  beannachdan 
spioradail  o  ionadan  arda  ? 

O,  mo  chairdean — a  luchd-leanmhainn  Chriosd 
— aig  a  bheil  an  aidmheil  gu  bheil  sibh  a'  creid- 
sinn  anns  na  firinnean  mor  agus  sblasach  agus 
ro  ghlbrmhor  a  tha  air  am  filleadh  a  steach  ann 
am  ministrealachd  na  rdite,  nach  ann  duibhse  a 
bhuineas  a  bhith  aoibhneach — seadh  le  aoibh- 
neas a  tha  a'  dol  thar  labhairt  agus  Ian  de  ghlbir 
— an  uair  a  tha  an  cuireadh  so  'gur  ruigheachd 
air  gach  madainn  Shabaid  a  tha  a'  bristeadh  ann 
ansuaimhneas  agus  ann  an  sith  air'ur  n-ionadan- 
cbmhnuidh — Rachamaid  gu  tigh  an  Tighearna, 
gu  bhith  ag  eisdeachd  na  teachdaireachd  a 
thainig  a  mach  as  a  bheul  ?  "  O  seinnibh  do 
lehdbhah  bran  nuadh,  oir  rinn  e  nithean  iong- 
antach  ;  dh'  oibrich  a  dheas-lamh  agus  a  ghaird- 
ean  naomh  slainte  dha."  "'Seinnibh  gu  h-ard, 
O  neamhan,  agus  dean  gairdeachas,  O  thalaimh; 
agus  togaibh  iolach,  O  shleibhtean  ;  oir  thug 
lehobhah  comhfhurtachd  d'  a  shluagh  !  "  Nach 
ann  leis  an  ard-iolach  so  'nur  bilean  a  thig  e 
dhuibh  a  bhith  a'  tighinn  a  steach  'na  gheatachan 
— 'na  chuirtean  le  moladh  ?  An  uair  a  bha  na 
deisciobuil  air  Beinn  a'  Chruth-atharrachaidh, 
agus  a  chunnaic  iad  an  solus  nfeamhaidh  a  bha 
a'  dealradh  ann  an  gniiis  an  t-Slanaigheir,  agus 
a  chunnaic  iad  Maois  agus  Elia  'nan  seasamh 
maille  ris,  agus  iad  air  am  foillseachadh  ann  an 
glbir,  thubhairt  a  h-aon  diubh,  "  Is  math 
dhuinne  a  bhith  an  so."  Agus  nach  minic  a 
thuirt  am  fior  Chriosdaidh  an  ni  ceudna  ann  an 
tigh  an  Tighearna  ?  Is  cinnteach  mi  nach  bi 
coimhthional  an  taobh  a  stigh  de  'n  eaglais  uir 
so  am  feasd  anns  nach  bi  daoine  saraichte, 
daoine  brbnach,  daoine  bochd  aig  am  bi  feum, 
agus  feum  mor,  air  faothachadh  agus  air  comh- 
fhurtachd. Is  e  mo  dhbchas  agus  m'  urn- 
aigh,  a  mhuinntir  ionmhainn  na  .sgireachd 
so,  gu  'm  bi  sochairean  agus  beannachdan 
an  t-Soisgeil  shiorruidh  air  an  dbrtadh  a 
mach  oirbh  gu  ro  phailte  anns  an  ionad  so. 
Agus  ma  bhios  sin  mar  sin  ;  ma  bhios  peacaich 
air  an  toirt  a  chum  aithreachais  an  so;  ma  bhios 
an  cridhe  briste  an  so  air  a  leigheas  ;  ma  bhios 
deur  a'  bhrbin  an  so  air  a  shiabhadh  air  falbh  ; 
ma  bhios  na  lamhan  a  tha  air  tuiteam  a  sios 
air  an  togail  suas,  agus  na  gluinean  gun  luth 
air  an  neartacliadh  ;  ma  bhios  gras,  sith,  agus 
trbcair,  an  so  air  an  co-phairteachadh  ;  ma  bhios 
Dia  air  a  ghlbrachadh — O,  ai.  sin,  nach  abair 
sibh  mar  thuirt  lacob  o  shean,  "  Gu  cinnteach 
tha  Dia  anns  an  aite  so ;  tigh  Dhe  agus  geata 
neimh  "  ? — agus  an  sin  ann  am  briathran  stdidh 
ar  teagaisg  nach  faodar  a  bhith  ag  radh  ruibhse 
— "  Deanaibh  seirbhis  do  lehobhah  le  aoibh- 
neas ;  thigibh  'na  lathair  le  brain  ait  ;  thigibh  a 
steach  'na  gheatachan  le  buidheachas,  'na  chiiirt- 
ean  le  moladh  ;  thugaibh  buidheachas  dha, 
beannaichibh  'ainm." 


Air  2. 


1910. 


CAMADH  'S  A'  CHRANNCHUIR. 


Tkugadh  dhomh  sgolb  's  an  fheoil. — //  Cor.  xii.  f. 

Cha  'n  urrainnear  a  chur  as   leth   Phoil  gu  'n 
robh  e  briathrach  mu  nithean  diomhair  a  bheatha 
fein.     Tha  e  fior  gu  bheil  e  tigh'nn  thairis,  uair 
no  dha,  air  an   doigh  anns  an  deachaidh  'iomp- 
achadh  ;  ach  a  mach  uaith  sin,  cha  'n  'eil  etoirt 
moran  iomraidh  air  fiosrachadh  'anma.    'Nuair  a 
labbras  duine  gu  h-onorach  air  fiosrachadh   a 
bheatha,  is  fhiach  eisdeachd  ris,  co  dhiu  a  tha 
e  diadhaidh  no  ain  -  diadhaidh,  f6ghluimte   no 
gun  sgoil.    Le  bhi  leughadh  cridheachan  dhaoin' 
eile,  gheibh   sinn   eolas,  ann  an   tomhas,  air  ar 
cridheachan  fein.     Bha  eolas  spioradail  aig  Pol 
nach    robh   aig  moran,   agus   cha    bhiodhteadh 
diumbach  no  sgith  dheth,  ged  a  dh'  innseadh  e 
dhuinn   tuilleadh  's  a  dh'  innis   e  mu  churs'  a 
bheatha,  's  mu  obair  Dhe  'na  anam.     Ach  ged 
a  ghairm   Dia  e  chum  moran  labhairt  is  moran 
sgriobhaidh  a  dheanamh  'na  latha,  bha  Pol,  gu 
nadurra,  'na  dhuine  samhach,  ceilteach,  leis  nach 
bu  toil  'inntinn  a  leigeil  ri  eoin  an  adhair.     Air 
uairean,   b'  fheudar    dha    tarruing   a   thoirt   air 
eachdraidh  a  bheatha  's  air  fiosrachadli  diomhair 
'anma,  los  e  fein  a  dhion  o  chasaid  a  naimhdean  ; 
ach  tha  e   daonnan   'ga  dheanamh,  mar  gu  'm 
b'  ann  'na  aindeoin.     Cha  robh  tlachd  sam  bith 
aige  bhi  bruidhinn  uime  fein.  Bha  droch  dhaoin' 
ann  an  eaglais  Chorint  a  bha  faotainn  coire  dha 
gun  sgur,      Bha  iad  a'  cur  as  a  leth  nithean  nach 
robh  fior,  's  a'  cumail  a  mach  nach  robh  ann  ach 
diu  nan  abstol.     An  toiseach  leig  Pol  leo  a  bhi 
bruidhinn,  ach  'nuair  a  channaic  e  gu'n  robh  am 
breugan  a'  deanamh   cron   do'n  eaglais,  thug  e  'n 
aghaidh  orra,  agus  dh'  innis  e  dhaibh  nithean 
sonruichte  a  thachair  'na  bheatha,  chum  e  fein 
fhireanachadh.     Is  e  sin  an  t-aobhar  gu  'n  do 
sgriobh  e  a'  chaibideal  so.     Tha  e  'g  innseadh 
dhaibh    mu    thaisbeanadn    a   fhuair    e   ceithir 
bliadhna  deug  roimhe  so,  ach  mar  gu  'm  biodh 
eagal  air  tuilleadh  's  a  ch5ir  a  radh  mu  fhios- 
rachadh  cho  soluimte  's  cho  gl6rmhor,  tha  e  leis 
an  ath  anail  a'  toirt  tarruing  air  an  doigh  anns  an 
robh  e  air  a  smachdachadh  le  Dia,  chum  nach 
deanadh  e  uaill  as  fein. 

Tha  cuid  de  n.i  h-athraichean  a' cumail  a  mach 
gur  he  tha  P61  a' ciallachadh  leis  an  ' sgolb 's 
an  fheoil,'  teagmhaidhean  mu  nithean  spioradail 
a  bha  'ga  bhnaladh  an  drasd  's  a  rithist.     Tha 


cuid  eile  a'  cumail  a  mach  gu  h-e  tha  'n  sgolb 
a'  ciallachadh,  ana  miannan  feolmhor  d'an  robh 
an  t-abstol  buailteach  aig  am  sonruichte  d'a 
bheatha,  Cha  'n  'eil  dreach  na  firinn  air  na 
beachdan  sin,  agus  faodar  an  tilgeil  as  an  rathad. 
Bha  Pol,  an  da  chuid,  stuama  agus  laidir  'na 
chreidimh.  Ach  cha  robh  e  idir  laidir 'na  bhodhig, 
agus  is  e  a  tha  e  'ciallachadh  leis  an  sgolb  'san 
fheoil,  eucail  air  chor-eigin  a  mhill  a  shlainte,  's 
leis  an  robh  e  air  a  phianadh  gu  goirt.  Tha 
chuid  a's  motha  de  dhiadhairean  am  beachd  an 
diugh  gu'n  robh  P61  air  a  chlaoidheadh  le  galair 
shul.  Faodaidh  gu  'n  robh  a  shuilean  car  lag 
riamh,  agus  gu  'n  robh  iad  air  an  tur  mhilleadh 
le  teas  is  gaineamh  an  fhasaich  anns  an  robh 
e  an  deigh  'iompachaidh.  'Na  thurusan  soisg- 
eulach  thug  P61  liodairt  is  ana  -  cothrom  d'a 
bhodhig  a  dh'  fh6ghnadh  do  bhodhig  samhan- 
aich,  air  chor  's  nach  'eil  e  iongantach  gu  'n 
geilleadh  ball  air  chor-eigin.  'Nuair  a  bha  e 
searmonachadh  ann  an  Galatia,  bha  shirilean  cho 
dona  's  chuir  an  galair  a  leithid  de  dhroch  coltas 
air,  's  gu'n  do  mhol  e,  an  deigh  laimhe,  muinntir 
na  h-Eaglais  sin,  a  chionn  nach  do  rinn  iad 
magadh,  agus  nach  do  ghabh  iad  grain  dheth, 
ach  gu  'n  do  ghabh  iad  ris  mar  amgeal  Dhe, 
Gal.  iv.  14.  Tha  mi,  ars'  esan,  a'  deanamh 
fianuis,  nam  bu  chomasach  e,  gu  'n  spionadh 
sibh  a  mach  'ur  suilean  fein,  agus  gu  'n  tugadh 
sibh  dhomhs'  iad.  Ach  ma  chaill  P61  a  shlainte, 
chain  e  i  le  meud  a  shaothrach  ann  an  aobhar 
an  t-soisgeil,  agus  dh'  fhaodadh  e  radh  le  firinn 
gu  'n  robh  e  giulan  chomharan  an  Tighearn  losa 
'na  chorp. 

I.  Bha  'uallach  fein  air  druim  Phoil.  Cha  'n 
'eil  neach  fo  'n  ghrein  aig  nach  'eil  camadh  air 
chor  -  eigin  'na  chrannchuir,  ach  cha  bhi  an 
trioblaid  gun  bhuannachd  dhaibhsan  a  striochdas 
iad  fein  fo  laimh  an  Tighearn  mar  rinn  esan. 
Cha  'n  'eil  teagamh  nach  b'  fhearr  le  Pol  a  bhi 
as  eugmhais  a'  ghalair  chraitich  ud,  agus  tri 
uairean  ghuidh  e  air  Dia  gu'rn  falbhadh  e.  Ach 
cha  d'  thug  Dia  air  falbh  an  sgolb,  ged  nach  d' 
fhag  e  urnuigh  a  sheirbhisich  gun  fhreagairt. 
Cha  do  rinn  P61  gearan  an  aghaidh  Dhe,  's  cha 
do  dhuisg  am  plan  a  dh'  fhuiling  e  searbhadas 
'na  chridhe,  ach  cha  mh5  a  tha  e  'g  radh  eu  'm  bu 
toigh  leis  e.  Bha  Pol  'na  dhuine  firinneach,. 
agus  cha  leigeadh  e  air  gu'n  robh  e  a' faireachd- 
uinn  ni  nach  robh  e  'faireachduinn  idir.  Bha 
e  striochdte  a  chionn  gu'm  b'e  toil  Dhe  a  chuir 


an  camadh  ud  'na  chrannchur,  ach  b'  fhearr  leis 
a  bhi  as  eugmhais.  Tha  cuid  de  dhaoine  a 
leigeas  orra  gu  bheil  iadsan  cho  leagte  ri  toil  an 
Tighearn,  's  gu'n  deanadhiad  fiuthair  ri  smachd- 
achadh  geur  sam  bith  a  thigeadh  orra.  Cha 
toigh  leinn  an  d6igh  bruidhne  sin,  oir  cha  'n  'eil 
€,  aon  chuid,  fior  no  nadurra.  Cha  d'  iarr  Dia 
air  Pol  smuaineachadh  air  a  thinneas  mar  ni 
s61asach  no  ion-mhiannaichte,  agus  ged  a  dh' 
iarradh,  cha  deanadh  eadhoin  aithne  Dhe  pian 
cuirp  solasach  do  Phol.  Ach  dh'  iarr  Dia  air  an 
sgolb  a  ghiulan  gu  faighidinneach  mar  dheagh 
shaighdear,  anns  a'  chreidimh  gu  'm  faigheadh  e 
neart  is  gras  ann  an  la  na  h-eiginn.  Ciod  air 
bith  a  their  daoine  nach  d'  fhairich  iad,  agus 
daoine  nach  tomhais  an  cainnt,  cha  'n  'eil 
tjnneas,  no  bron,  no  briste  cridhe,  no  na  triob- 
laidean  eil'  a  thachras  air  mac  an  duine  air  a 
chuairt  air  thalamb,  solasach  ach  doilgheasach, 
ged  a  dh'  fhaodas  iad,  an  deigh  laimhe,  a  bhi 
air  am  beannachadh  dhaibhsan  aghiulaineas  iad 
fein  fodhpa  ann  an  spiorad  ceart.  Tha  an 
Tiomnadh  Nuadh  a'  teagasg  gur  h-ann  tre 
fhulangas  a  ruigear  air  iomlanachd,  ach  cha'n'eil 
e  teagasg  gur  coir  do  dhaoine  fulangas  iarraidh 
air  a  sgath  fhein,  no  dol  'nan  ceart  deoin  an 
coinneamh  trioblaid.  Ged  tha  e  sgriobhte  gu'n 
robh  Criosd  air  a  dheanamh  foirfe  tre  fhulangas, 
cha  'n  'eil  sinn  a'  leughadh  gu  'n  deachaidh  e 
riamh  an  coinneamh  fulangais  a  ghabhadh 
seachnadh,  no  gu  'n  d'  iarr  e  air  na  deisciobuil 
sin  a  dheanamh.  Ghuidh  fear  de  na  seann 
naoimh  uair  eiginn,  nach  rachadh  aon  latha 
seachad  gun  fiosrachadh  piantail  a  thoirt  thnige, 
agus  b'e  an  earail  mu  dheireadh  a  thug  e  d'a 
bhraithrean  —  gach  ni  s61asach  a  sheachnadh 
agus  gach  ni  doruinneach  a  shireadh.  Cha  'n  'eil 
sin  a  reir  an  Tiomnaidh  Nuaidh.  Tha  e  chum 
buannachd  spioradail  dhuinn,  ma  ghiulaineas 
sin  gu  ciuin,  macanta  an  t-uallach  a  leag  Dia, 
'na  fhreasdal,  oirnn ;  ach  cha  'n  'eil  e  chum 
buannachd  spioradail  sam  bith  dhuinn  trioblaid- 
ean  a  dhealbh  air  ar  son  fein. 

II.  Bha  fios  aig  P51  carson  a  chuir  Dia  an 
sgolb  ud  'na  fheoil,  agus  rinn  an  t-eolas  sin  am 
pian  na  b'  aotruime.  Bha  e  cinnteach  nach 
h-ann  'ga  sharuchadh  gun  aobhar  a  thainig  e, 
ach  a  chum  leasan  a  thcagasg  dha  air  an  robh  e 
feumach.  Tha  e  'g  radh  gu  'n  robh  e  an  cunnart 
a  bhi  air  a  sheideadh  suas  tuilleadh  's  a  choir  le 
ro-mheud  nan  taisbean  a  f  huair  e,  agus  gur  h-ann 
los  a  chumail  iriosal  a  bha  'fheoil  air  a  cradh. 
Cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  e  car  searbh  le 
Pol  an  aidmheil  so  a  dheanamh  d'a  naimhdean 
ann  an  Corint,  ach  'bha  e  na  dhuin'  onorach, 
cho  cruaidh  air  fhein  's  a  bha  e  smachdail  air 
daoin'  eile,  's  cha  cheileadh  e  'n  fhirinn.  Tha 
eadhoin  na  naoimh  fad  air  an  turus  mam  basaich 
an  seann  duine  'nan  cridhe.  Cha  'n  'eil  e  furasd 
an  ruaig  a  chuir  air  fein  -  speis  is  uabhar  is  fein- 


fhoghainteachd.  Tha  iad  cho  dliith  do  mhac 
an  duine  ri  chraicionn.  Ach  is  ann  chum  an 
spionadh  a  mach  a  cridheachan  a  shluaigh  a  tha 
Dia  gu  bitheanta  'gan  smachdachadh,  agus  air 
cho  goirt  's  g'am  bi'bhuille  aig  an  am,  aidichidh 
iad,  an  deigh  laimhe,  gu  'm  b'  fhiach  dhaibh 
fulang.  Chi  iad  gu  bheil  teinnead  is  maitheas 
Dhe  a'  pogadh  beul  ri  beul,  's  nach'eil  'na  fheirg 
ach  an  taobh  eile  d'a  chaoiinhneas.  Tha  na 
h-ainglean  a  thig  ann  an  cruth  dorcha  's  le 
torman  mulaid  'nan  spioradan  frithealaidh 
dhasan,  cho  mhaith  ris  na  h-ainglean  a  thig  ann 
an  aodach  geal  's  le  oran  bainnse, 

III.  Ann  an  aon  seadh,  bha  e  na  b'  fhasa  do 
Phbl  aobhar  a  thrioblaid  a  thuigsinn  no  tha  e 
dhuinne.  Bha  soilleireachd  inntinn  aige  nach 
robh  aig  moran  dhaoine  riamh,  agus  fhuair  e 
eolas  air  ruintean  Dhe  air  nach  h-urrainn  a' 
mhor-chuideachd  ruighinn.  'Nuair  thig  fiosrach- 
adh goirt  'nar  caraibh,  's  a  bhios  ar  dbchas  's  ar 
ruintean  air  an  tilgeil  bun  os  cionn,  cha  'n 
urrainn  sin  a  radh,  am  bitheantas,  carson  a 
thainig  an  camadh  sin  'n  ar  crannchuir.  Cha  'n 
urrainn  sin  ach  a  bhi  samhach  agus  tuigsinn  gur 
h-esan  Dia.  Ach  is  c5ir  dhuinn  feitheamh  air 
gu  h-iriosal  ann  an  urnuigh,  feuch  an  teagaisg  e 
dhuinn  ciod  a  tha  cearr  annainn  agus  ciod  e  a 
thoil  d'  ar  taobh.  Bha  Pol  faighidinneach  a 
chionn  gu  'n  robh  e  creidsinn  le  uile  chridhe  gu 
bheil  Dia  caomhal,  's  gur  h-ann  air  a  leas  fein  a 
bha  lamh  Dhe  air  a  leigeadh  air.  Nan  abairteadh 
ris  nach  robh  anns  an  sgolb  'san  fheoil,  ach 
tuiteamas  a  dh'  eirich  dha  mar  a  dh'  eirich  e 
do  mhiltean  eile,  cha  chreideadh  e  facal  dheth. 
Bha  e  'sealltuinn  air  obair  an  Fhreasdail  ann  an 
doigh  eile.  Bha  e  creidsinn  gu  'n  robh  lamh 
Dhe  air  cul  gach  fiosrachaidh  a  thachair  ris,  agus 
thug  an  creidimh  sin  aotramachadh  d'a  phian. 
Cha  'n  e  'n  aon  seorsa  toraidh  a  bheir  pian  no 
fulangas  a  mach  anns  a  h-uile  duine.  Bidh  cuid 
de  dhaoin'  a'  bruidhinn  mar  gu  'n  robh  eifeachd 
spioradail  ann  am  fulangas,  ciod  air  bith  an 
seorsa  duin'  air  an  tig  e.  Cha  'n  'eil  sin  fior. 
Faodaidh  duine  moran  trioblaid  fhulang  agus  a 
bhi  ni  's  miosa  na  bha  e  riamh.  Ged  a  naomh- 
aicheas  i  an  dara  duine,  cruadhaichaidh  i  duin' 
eile.  Bheir  i  an  dara  fear  gu  caithir  nan  gras,  's 
cuiridh  i  am  fear  eile  do  'n  tigh  osda.  Faodaidh 
an  aon  fhreasdal  casan  duin'  a  shocruchadh  air 
an  t-slighe  gu  neamh,  no  'shiubhal  a  ghreasad  gu 
truaighe.  Is  ann  a  reir  an  spioraid  anns  an 
gabhar  ri  smachdachadh  Dhe  a  dh'  oibricheas  e 
annainn  fireantachd  no  ain  -  diadhaidheachd. 
Faodaidh  camaidh  'n  ar  crannchuir  a  bhi  'na 
chall  no  'na  bhuannachd.  Bidh  e  'na  chall,  ma 
ni  e  cas,  dranndanach,  crosda  sinn,  gun  urram 
do  Dhia  no  gun  iochd  ri  daoine.  Ach  bidh  e 
'na  bheannachd  dhuinn  ma  ni  e  sinn  ciuin, 
faighidinneach,  macanta  ;  iriosal  an  lathair  Dhe, 


■'fi 


'H? 


:3 

it' 


r 


agus  co-fhaireachdail  ri  daoin'  eile,  an  am  an 
trioblaid. 

IV.  Ged  nach  d'  thug  Dia  air  falbh  an  sgolb 
a  feoil  Ph5il,  fhreagair  e  'urnuigh  ann  an  doigh 
eile.  "  Is  ieoir  mo  ghras-sa  air  do  shon."  Cha 
do  lughdaich  e  an  trioblaid,  ach  mheudaich  e  a 
neart,  agus  fhuair  Pol  na  bu  dluithe  do  Dhia'na 
anmhuinneachd  no  bha  e  riamh  roimhe,  air  chor 
's  gu  'n  d'  thuirt  e  "an  uair  a  ta  mi  lag,  an  sin  a 
ta  mi  laidir."  Cha  mhor  dhaoine  diadhaidh  a 
rainig  aois  nach  h-urrainn  an  aonta  'chur  ris  an 
abstol.  'Nuair  a  sheallas  iad  air  ais  air  an 
t-slighe  air  an  d'  thainig  iad,  aidichidh  iad  gu  'n 
d'  fhuair  iad  iomadh  tilleadh  is  bristeadh  -  duil, 
ach  gu  'm  b'  fheairrd  iad  sin,  's  gur  he  caoimh- 
neas  Dhe  a  chuir  thuc'  iad.  Ghuidh  iad  uair  is 
uair,  mar  rinn  P61,  gu  'n  cuireadh  Dia  cupan 
sonruichte  seachad  orra,  ach  b'  fheudar  dhaibh 
61.  Cha  b'  urrainn  dhaibh  aig  an  am  ach  a  bhi 
samhach,  oir  bha  freasdal  Dhe  do-rannsaichte,  's 
a  bhreitheanais  'nan  doimhne  mhoir.  Ach  chi 
iad  an  diugh  gu  'n  robh  ni  a  b'  fhearr  aig  Dia 
's  an  t  sealladh  dhaibh,  gu  'n  d'  thug  an  camadh 
a  thainig  'nan  crannchuir  gu  tobraichean  beath' 
iad  air  nach  aimseadh  iad  air  dhoigh  eile,  's  gu'n 
cual  iad  le  'n  cluasan  na  briathran  caomhal — Is 
Ieoir  mo  ghras-sa  dhuibh.  Cha  leig  Dia  le 
shluagh  dol  's  an  dorchadas  leotha  fhein.  Theid 
e  maille  riu,  's  ni  a  lathaireachd  eadhoin  fulangas 
so  iomchar.  Is  iomadh  duin'  a  thuirt  ris  fhein 
— nan  tigeadh  an  rud  ud  orm,  cha  seasainn  ris, 
bhriseadh  e  mo  chridhe.  Ach  thainig  a'  cheart 
rud  ud  air,  agus  cha  'n  e  mhain  gu  'n  do  sheas 
e  ris,  ach  ghiulain  se  e  gu  ciuin,  misneachail,  's 
cha  chualas  riamh  ri  gearan  no  ri  ciuchran  e. 
Dhearbh  e  gur  Ieoir  gras  Dhe  dhaibhsan  a 
leigeas  an  taic  ris. 

Tilg-sa  t-eallach  trom  air  Dia 

'S  ni  e  do  chumail  suas 

Cha  leig  e  'm  feasd  do  'n  fhirean  ch6ir 

O  shocair  fein  gu  'n  gluais. 


SEANN      LAOCH. 


Ann  an  aireamh  roimhe  so  thug  sin  cunntas  air 
■firean  c6ir  air  an  robh  oillt  is  eagal  roimh  'n 
bhas,  agus  faodaidh  sinn  an  drasd  ioniradh  goirid 
a  dheanamh  air  fear  noch  robh  idir  'na  fhirein, 
ach  nach  do  thiomaich  ri  aghaidh  na  namhaid 
dheireannaich.  B'  e  sin  MAC  SHIMIDH, 
Ceann-cinnidh  nam  Frisealach,  a  chaill  a  bheatha, 
an  deigh  Chuilfhodair.  Chaill  iomadh  duine 
maith  a  cheann  airson  a'  Phrionnsa,  ach  ma  bha 
eirigh  nam  fineachan  Gaidhealach  ann  an  1745 
amaideach,  bha  e  uasal  mar  an  ceudna,  agus  is 
duine  suarach  esan  nach  fairich  'fhuil  a'  fas  teth 
'nuair  a  chuimhnicheas  e  air  na  laithean  sin. 
Ach  cha  robh  Mac  Shimidh  uasal.     Bha  e  cho 


tratach  ris  an  t-sionnach,  agus  dh'  eirich  dha 
mar  a  dh'  eireas  do  ghille  nan  car  daonnan. 
Dh'  fheuch  e  ris  an  da  thaoibh  a  thoileachadh, 
agus  seirbhis  a  dheanamh  do  dha  mhaighstir. 
Bha  e  leigeil  air  gu  'n  robh  e  dileas  air  taobh  a' 
Chruin,  ach  fad  na  h-iaine  bha  e  cuideachadh  a' 
Phrionnsa.  Nan  d'  thainig  e  mach  air  taobh 
Thearlaich  gu  spailpeanta,  mar  rinn  Lochial  is 
tighearnan  eile,  gleidheadh  e  'naire  ged  a 
chailleadh  e  'cheann.  Ach  is  e  thainig  as  a 
ciiuilbheartan,  gu  'n  do  chaill  e  a  naire  cho 
mhaith  ri  'cheann. 

Cha  ghabh  Mac  Shimidh  moladh,  ach  ged  a 
dh'  fheumar  aideachadh  nach  d'  fhuair  e  ach  a 
thoillteanas,  cha  'n  urrainn  sinn  gun  smioralas 
is  misneach  an  t-seann  duine  aideachadh  mar  an 
ceudna.  Thugadh  e  air  beulaobh  nam  Morairean 
ann  an  Lunnainn,  agus  thagair  e  a  chuis  fhein 
le  seoltachd  is  geiread  facail  a  chuir  ioghnadh 
air  na  feadhainn  do  nach  b'  aithn'  e.  Bha  e 
ceithir  fichead  bliadhna  aig  an  am,  ach  bha  e 
cho  aotruni  iollagach  's  ged  a  b'  ann  air  banais  a 
bha  e,  an  aite  bhi  seasamh  cuirte  airson  a 
bheatha.  Fhuaradh  ciontach  e  agus  thugadh  a 
mach  binn  a  bhais.  Ach  cha  do  mheataich  a 
chridhe,  's  chaidh  e  dh'  ionnsuidh  na  croiche 
mar  gu  'm  bu  mhartarach  naomh  e. 

Sgriobh  fear  a  bha  'na  chuideachd  anns  a' 
phriosan  cunntas  air  seanchas  is  giulan  Mhic 
Shimidh  air  an  t-seachduinn  mu  dheireadh  d'a 
bheatha,  agus  faodaidh  sinn  tigh'nn  thairis  air 
rud  no  dha  de  na  tha  e  'g  innseadh.  Ma  's  fior 
an  duine  so,  bha  e  Ian  abhacais  is  fearas 
chuideachd,  an  dara  h-uair  a'  toirt  gaire  air  na 
na  feadhainn  a  bha  comhla  ris  le  neonachas  a 
sheanchais,  's  an  uair  eile  a'  toirt  comhairlean 
spioradail  orra.  Shaoileadh  iad  an  dara  h-uair 
nach  robh  e  ach  a'  deanamh  culaidh  spuirt  is 
feala-dha  air  fhein  's  air  an  tsaoghal  uile,  ach 
uairean  eile,  shaoileadh  iad  gu  'm  bu  duine 
anabarrach  diadhaidh  e,  le  durachdas  a  chrabh- 
aidh  is  urnuighean.  Sgriobh  e  litir  gu  mhac  a 
tha  cho  spioradail,  an  cainnt  's  an  smuain,  's 
gu  'm  faodadh  i  bhi  air  a  sgriobhadh  leis  an 
abstol  P61  gu  Timoteus. 

"  Ged  tha  mis'  ann  an  teanntaehd  an  drasd,  tha 
mi  cuimhneaohadh  ort-sa,  's  a'  guidhe  as  do  leth 
ri  Dia.  Tiiigidh  tu  a  nis,  a  mhic  ghaolaich,  nacli 
'eil  anns  an  t-saoghal  so  aeli  diomlianas  nan 
diomhanas,  's  nach  'eil  earbsa  ri  chur  ann  an 
gairdean  feola.  Tha  Dia  a'  riaghladh,  agus  is 
eiginn  do  dhaoine  gabhail  ri  fhreaadal-san,  co  dhiu 
a  cliordas  e  riu  no  naoli  cord.  Is  sona  an  duine 
sin  da-rireadh  a  tha  leagte  ri  toil  Dhe  am  measg 
doilghiosan  na beatha  so, le  irioslachd  is  faighidinn. 
Is  e  an  Trianaid  bheannaiclite,  an  t-Athair,  am 
MaOj's  anSpiorad naomh, a  blieir  f uasgladh  dhuit-sa 
's  dhomh-sa  anns  an  t-suidlieachadh  blioclid  anns  a 
bheil  sinn.  Is  e  ar  peacanna  a  tliug  an  truaighe 
so  oirnn,  oir  bhrosnuich  sinn  Dia.  Ach  le  m'uile 
cliridhe,  tha  mi  toirt  buidheachas  do  Dhia  air  son 
nan  amhghairean  a   thug  orm  cul  a  chur  ris  a 


pheacadh  anns  an  robh  mi  tigh'nn  beo  fad  moran 
bhliadhnachan,  agus  a  dhuisg  aithreaolias  aimam  is 
deigh  air  mo  Shlanuighear  beannaioht'  a  leanntuinn. 
Tha  mi  eui-  irapidh  ortsa,  a  mliic  ghaolaioli,  do 
pheaeanna  a  tlireigsiun  agus  thu  fein  a  thilgeil  aig 
orann-eeusaidli  Cliriosd,  ag  iarraidh  air  aitlireaehas 
a  dhusgadh  annad,  agus  do  lochdau  a  mliaitheadh 
air  sgatli  f hulangais,  agus  air  sgith  na  fala  a  chaidh 
a  dhortadh  air  son  plieacach.  larr  air  do  shaoradli 
a  ribeaohan  an  drooli  spioraid,  an  t-saogliail,  agus 
na  feola,  oir  bidli  iad  ro  laidir  air  do  shon,  as 
eugmliais  comhuadli  uaitlie-san.  Ma  chuireas  tu 
t-earbs'  ann  an  losa  Criosd,  saoraidh  e  thu  as  do 
thrioblaidean  uile.  Tha  mi  guidh'  ort,  as  uchd  an 
Tighearu,  thu  fein  a  thilgeil  air  trocairean  I)he  a 
tha  gun  atharrachadh  o  linn  gu  liun.  Dean  so  air 
do  sgatli  fhein,  air  sgath  t-athar,  's  air  sgitli  do 
pheathraichean  's  do  bhraithrean.  Ma  sheachnas 
tu  am  peacadh,  's  ma  ghluaiseas  tu  gu  direach 
oeart,  bidh  beannaohd  Dhe  ort  fhein,  's  air  do 
theaghlach,  's  air  do  chairdean,  ach  mur  gabh  thu 
comhairle  t-athar, bidh  tu  truagh  anns  ant-saoghal 
so  agus  truagh  gu  siorruidh  anns  ant-saoghal  a  tha 
ri  teachd.  Air  mo  shon  fhein  dheth,  tha  mi  deas 
airson  a'  bhais,  's  rachainn  'na  ehoinneamh  am 
maireaeh  gu  togarvaoh,  ma  's  e  sin  toil  Dhe.  Na 
biodh  oui'am  sam  bith  ort,  ma  ta,  air  mo  shon  sa. 
Tha  mi  toirt  buidheachais  do  Dhia  gu  bheil  deagh 
dhoohas  agam,  'nuair  a  dh'  fhilgas  mi  'n  saoghal 
so,  gu  'm  faigh  mi  sonas  siorruidh  ann  an  saoghal 
a's  fhearr." 

Dh'  fheoraich  e  de  dh'  fhear  a  chaidh  'ga 
amharc  anns  a'  priosan  ciod  a  bharail  air  an  litir 
a  chuir  e  gu  'mhac.  "  Chord  i  gu  maith  rium-sa," 
ars'  an  duine,  "tha  mi  'n  duil  gur  Htir  ghasd'  i." 
"Is  e  sin  mo  bharail  fhein  cuideachd,"  arsa 
Mac  Shimidh,  is  litir  Criosduidh  i."  Air  do 
Mhaidsear  airm  fheoraich  dheth,  gu  caoimhneil, 
ciamar  a  bha  e,  thuirt  e — "  Tha  mi  gu  maith, 
tha  mi  'g  am  uUachadh  fhein  airson  aite  anns 
nach  bi  moran  Mhaidsearan  is  gle  bheag  de 
Sheanarailean." 

Thugadh  dheth  an  ceann  Diardaoin,  ach  air 
madainn  Diciadaoin  sheinn  e  oran.  Thuirt  aon 
de  dh'  fhir-coimhead  a  phriosain  ris  gu'n  robh  e 
'cur  iongantas  air,  ciamar  a  b'  urrainn  e  bhi  cho 
mear  's  am  bas  cho  dliith.  "  Mear,"  ars'  esan, 
"  cha  robh  mi  riamh  ann  am  fonn  a  b'  fhearr." 
'Nuair  bha  e  dol  'ga  nitheadh  fein,  ghlaoidh  e, 
"Thigibh  an  so,  fheara,  agus  chi  sibh  ioghnadh, 
duine  'ga  bhathadh  fhein,  a  fhuair  binn  a 
chrochaidh."  Bha  e  cridheil  fad  an  latha,  agus 
anns  an  oidhche  thuirt  e — "Thoiribh  dhomh 
piob  thomhaca  oir  tha  e  coltach  gur  h-e  so  an 
toit  mu  dheireadh  a  gheibh  mi,  mur  bi  daoine 
ris  a'  phiob  anns  an  ath  shaoghal."  An  deigh 
dha  sgur  dhith,  thilg  e  aisd'  an  smihr,  ag  radh — 
"  Tha  greadhnachas  mhic  an  duine  mar  smur 
tombaca."  Thuirt  cuid-eigin  ris  gu  'n  robh  e 
duilich  mar  dh'  eirich  dha.  "  A  bheil  thu  'n 
duil,"  ars'  esan,  "  gu  bheil  eagal  na  tuaighe 
orm.  Nach  fhearr  dhomh  mo  cheann  achall  leis 
an  tuaigh,  seach  am  bas  fhaotainn  le  cailheamh 
no  fiabhrus  no  meud-bhronn." 


Chuir  e  gach  ni  air  dealbh  roimh  'n  am  gu 
h-ordail,  mar  gu  'm  biodh  e  'ga  dheanamh  sin 
air  son  neach  eile.  Chuir  e  mach  an  t-aodach  a 
chuireadh  e  uime,  thug  e  earail  do  bharbair  a 
ghruag  a  chireadh  gu  snasmhor,  's  dh'  innis  e 
d'a  luchd  frithealaidh  c'ait  an  seasadh  iad  's  ciod 
a  dheanadh  iad  aig  uair  a  bhais.  Bha  e  riamh 
car  gaolach  air  spleadhachas,  agus  bu  mhaith 
leis  a  thbrradh  a  bhi  mor.  Ach  a  thaobh  an 
doigh  anns  an  robh  e  a'  criochnachadh  a 
bheatha,  chunnaic  e  nach  gabhadh  sin  deanamh. 
Thuirt  e  ri  chairdean  gu  'n  robh  e  aon  uair  'na 
bheachd,  a  h-uile  piobaire  eadar  tigh  Iain 
Ghreota  's  Duneideann  fhaotainn  gu  thiodhlac- 
adh  agus  rud  a  thuirt  dhaibh  air  a  shon,  ach 
"  cha  ruigear  a  leas,"  ars'  esan,  "a  bhi  bruidhinn 
air  a  sin  a  nis." 

Air  madainn  Diciadaoin  dhuisg  e  aig  tri 
uairean  is  rinn  e  aoradh.  Aig  coig,  dh'  iarr  e 
gloine  fiona,  's  aig  seachd  dh'  iarr  e  fear  eile. 
Bha  e  'leughadh  cho  reidh  socruch  's  ged  nach 
biodh  uallach  sam  bith  air  'inntinn,  's  thuirt  na 
feadhainn  a  bha  leis  gu  'n  robh  'm  barrachd 
crith  'nam  feoil  fhein  no  bha  'na  fheoil-san. 
'Nuair  a  chaidh  e  dh'  ionnsuidh  na  croiche,  'sa 
chunnaic  e  an  dumhlachd  sluaigli  a  bha  cruinn, 
thuirt  e,  "A  Dhia,  gleidh  mi,  nach  b'e  so  an 
ub-ab  airson  aon  cheann  liath."  Dh' iarr  e 'n 
tuagh  fhaicinn  feuch  an  robh  i  geur,  's  thug  e 
deich  buinn  oir  do  'n  fhear  a  bha  r'a  bualadh, 
ag  radh,  "  Feuch  gu  'n  dean  thu  tobair  gu  ceart 
's  nach  beubanaich  thu  mo  ghuaillean,  air  nea 
ma  dh'  eireas  mi,  bidh  rud  uime." 

Cha  bu  ghealtair  Mac  Shimidh  ri  aghaidh 
bais,  ach  tha  e  ni  's  dbcha  gur  h-e  spiorad  a' 
Ghaidheil  is  uabhar  nam  Frisealach  a  chiim  suas 
a  mhisneach,  seach  neochiontas  a  chridh'  is 
neart  a  chreidimh.  Faodaidh  nach  robh  e  'ga 
mhealladh  fhein  no  'feuchainn  ri  daoin'  eil'  a 
mhealladh,  ann  a  bhi  labhairt  cho  sbluimte  's 
cho  crabhach  ann  an  deireadh  a  laithean.  Ach 
bha  'n  crabhadh  mar  fhasan  aige  riamh,  's  cha'n 
'eil  e  iongantach  ged  nach  toirear  geill  d'a  fhacaL 
Rachadh  aige  air  dol  an  iomadh  cruth,  's  tha  e 
duilich  a  radh  c'uin  a  tha  e  'g  innseadh  na  firinn 
no  c'uin  nach  'eil.  Bha  bhreug  cho  deas  leis  ris 
an  fhirinn,  agus  is  bitheanta  bha  ainm  na 
Trianaid  air  a  bhilean  'nuair  bha  tratan  Shatain 
'na  chridhe.  Ach  bha  teanga  ghsur  'na  phluic 
agus  bheir  a  sheanchas  'sa  litrichean  gair'  oirnn 
a  dh'  aindeoin  ar  coguis. 

B'  e  Papanach  a  bh'  ann  am  Mac  Shimidh, 
ach  a  reir  coltais,  cha  robh  e  'na  mhac  umhal  's 
a'  chreidimh.  Rinn  sagairt  a  bh'  ann  an  Srath- 
ghlais  6ran  dha  anns  an  d'  thuirt  e  : — 

'S  mairg  a  dheasaicheadh  dhuit  caisg. 
No  chuireadh  ola-bhais  ri  d'  chreibh. 
No  dh'  eisdeadh  ri  d'  fhaosaid  gun  stath, 
Mur  dean  thu  faoilt  ri  grasan  Dhe. 


I 


Air    3. 


1910. 


MAITHEANAS    PHEACANNA. 


O  na  doimlmeachdaibh  ghlaodh  mi  riut,  a  Tkigk- 

earna — Saljm  cxxx. 
Tha  coig  laoidhean  deug  ann  an  leabhar  nan 
Salm  ris  an  abrar,  Laoidhean  ?ian  ceu?n — cxx- 
cxxxiv.  Tha  diadhairean  am  beachd  gu'n  d' 
fhuair  iad  an  t-ainm  sin  a  chionn  gu'm  b'abhaist 
do'n  luchd  turuis  a  bhi  'g  an  seinn,  'nuair  bhiodh 
iad  a'  dol  suas  gu  lerusalem  a  choimhead  nam 
feiltean.  Aig  amannan  sonruichte  de'n  bhliadh- 
na  bhiodh  na  h-Iudhaich,  'nan  ceudan  's  'nam 
miltean,  a'  togail  orra  do'n  bhaile  naomh,  chum 
iad  fein  a  thaisbeanadh  an  lathair  an  Tighearna. 
Bha  astar  mor  aig  cuid  dhiubh  ri  dhol,  ach,  am 
bitheantas,  bhiodh  bannal  dhiubh  comhla,  's 
bhiodh  iad  a'  giorrachadh  na  slighe  le  bhi  seinn 
laoidhean  Shioin.  Ged  bhiodh  ceum  an  luchd- 
turuis  trom  le  sgiths,  thigeadh  sprachd  iir  annta, 
'nuair  thogadh  an  oigridh  fonn  nan  salm  : — 

Bha  aoibhneas  orm  tratli  thubhairt  iad, 

Gu  tigh  Dhe  theid  sinn  suas  ; 

'Ad  dhorsaibh,  O  lerusalem, 

Ar  cosa  seasaidh  f6s. 

lerusalem,  mar  chathair  i, 

Thogadh  gu  dileas  dliith  ; 

D'an  teid  na  treubhan  suas  gu  leir, 

'S  iad  treubhan  Dhe  nan  dill. 

Tha  laoidhean  nan  ceum  goirid,  's  tha  chuid 
a's  motha  dhiubh  sunndach,  fonnmhor,  's  air  an 
aobhar  sin,  bha  iad  freagarrach,  gu  bhi  air  an 
seinn  air  a  leithid  sud  de  ch6mhdhail. 

Is  ann  do  na  laoidhean  so  a  bhuineas  Salm 
130,  ach  a  chionn  gu  bheil  i  a'  cur  cainnt  air 
feum  anam  an  duine,  tha  i  cho  iir  an  diugh 
fhathast  's  a  bha  i  an  la  a  rinneadh  i.  Tha  'n 
Salmadair  ag  innseadh  dhuinn  fiosrachadh  anma 
fein,  agus  duisgidh  a  bhriathran  co-fhreagradh 
ann  an  cridhe  nan  uile  dhaoine  a  bhlais,  mar 
rinn  esan,  trocair  is  maitheas  Dhe.  Cha'n  'eil  e 
iongantach  gu'm  biodh  oisean  blath  aig  an  t-salm 
so  an  cridhe  na  feadhnach  a  bha  aon  uair  's  an 
dorchadas  ach  a  fhuair  solus.  Tha  'n  Salmadair 
a'  gairm  air  na  linntean  uile — Thigibh  agus  eisd- 
ibh  ciod  a  rinn  Dia  airson  m'  anma.  Bha  e  ann 
an  gabhadh  bais,  gun  fios  aige  ciod  an  taobh  an 
tionndadh  e,  no  ciamar  a  gheibheadh  e  cobhair. 
'Na  eiginn  ghlaodh  e  air  Dia,  ach  cha  luaithe 
rinn  e  sin,  no  thainig  an  smuain  thuige  nach 
cromadh    Dia   a   chluas    ri    uirnigh    peacaich. 


Chuimhnich  e  air  naomhachd  Dhe  agus  air 
a  mhi -naomhachd  fein  agus  thainig  crith 
'na  fheoil.  Ma  chomharaicheas  Dia  aingidh- 
eachd,  thuirt  e  ris  fein,  co  a's  urrainn  seasamh 
'na  lathair?  Cha  'n  urrainn  neach  beo.  Nam 
biodh  Dia  air  bhior  gu  cothrom  a  ghabhail  air 
daoine  'nuair  a  ghlacas  e  iad  ann  am  mearachd, 
cha  rachadh  aon  idir  as.  Nam  b'  fhearr  leis 
peacaich  a  pheanasachadh  seach  a  thearnadh,. 
bhiodh  na  h-uile  gun  dochas.  Chuir  an  smuain 
eagal  air  an  t-Salmadair,  ach  air  dha  cnuas- 
achadh  car  greis  air  obair  is  ruitean  Dhe,  thilg  e 
bhuaith  i,  agus  ghlac  e  misneach  a  rithist. 
Thuirt  e  ris  fhein  nach  robh  anns  an  smuain 
ud  ach  cagar  o  Shatan  leis  am  bu  mhaith  droch 
thuaileas  a  thogail  air  Dia.  Cha  'n  'eil  Dia,  ars' 
esan,  cruaidh  no  an-iochdmhor ;  tha  e  caomhal 
is  truacanta,  agus  bheir  e  maitheanas  do  'n  aing- 
idh.  Dhuisg  an  smuain  so  dochas  ann  an 
cridhe  'n  t-Salmadair,  dh'  fheith  e  le  faighidinn- 
ri  Dia  agus  dh'  iarr  e  air  a  thogail  a  nios  as  an 
doimhne.  Mar  fhear-faire  sgith  a'  furachail  air 
son  glasadh  an  latha,  bha  fadachd  air  anam  gus 
an  deanadh  Dia  cobhair  air.  Ach  mu  dheireadh 
dh'  eisd  Dia  ri  ghlaodh  agus  thug  e  furtachd  dha. 
Chuir  maitheas  Dhe  oran  nuadh  am  beul  an 
t-Salmadair,  air  chor  's  gu  bheil  an  laoidh  a' 
criochnachadh  le  moladh,  ged  thoisich  i  le 
caoidh.  Tha  e  gairm  air  Israel  uile  earbsadh 
ann  an  Dia  a  thug  dha  fein  saorsa,  oir  aig 
an  Tighearna  tha  trocair  agus  saoraidh  e  iad  o'n 
eucairtean. 

Is  iad  sin  na  smuaintean  a  bh'  ann  an  cridhe 
'n  t-Salmadair  'nuair  a  sgriobh  e  an  laoidh  so. 
Tha  i  Ian  de  spiorad  an  t-soisgeil,  's  tha  i  cur  'n  • 
ar  cuimhne  gu  bheil  Dia  trocaireach  's  nach 
diult  e  maitheanas  dhaibhsan  a  dh'  iarras  e  gu 
durachdach, 

I.  Tha  mi  creidsinn  ann  am  tnaitheanas- 
pheacaniia.  Tha  'n  fhirinn  so  a'  faotainn  ait' 
ann  an  creud  gach  meur  de'n  Eaglais  Tha  na 
h-abstoil  uile  de'n  aon  inntinn  air  a'  chuis.  Cha 
b'  urrainn  dhaibh  a  bhi  air  atharrachadh,  oir 
chual  iad  le'n  cluasan  Criosd  ag  radh  gu  bheil 
ughdarras  aig  Mac  an  duine  peacanna  a  mhaith- 
eadh,  agus  chunnaic  iad  le'n  suilean  feadhainn 
ris  an  d'  thubhairt  e — Tha  do  pheacanna  air  am 
maitheadh  dhuit.  Ged  nach  do  Ian  thuig  iad 
iomadh  rud  eile  air  an  do  labhair  e  riu,  cha  b'' 
urrainn  dhaibh  mearachd  a  dheanamh  anns  art 
rud  so,   oir  thainig  e  thairis  air  cho  bitheanta. 


10 


agus  labhair  e  air  ann  an  doigh  shoilleir  shimp- 
lidh.  'Nuair  a  dh'  innis  e  dhaibh  mu'n  ghaoth- 
aran  gh6rach  ris  an  do  ghabh  'athair  cho  caomhal 
an  deigh  dha  'cholunn  's  a  chliu  a  mhilleadh  le 
ruidhteireachd,  bha  e  aige  's  an  amharc  gu'n 
tuigeadh  iad  gur  h-ann  mar  sin  a  ni  Dia,  's  nach 
diuit  e  maitheanas  do  pheacach  sam  bith  a  thig 
thuige  gu  h-airhreachail.  'Nuair  a  dh'  innis  e 
dhaibh  mu'n  chis-mhaor  a  rinn  urnuigh  anns  an 
teampull,  bha  'n  f  hirinn  cheudna  's  an  t-sealladh 
aige.  Ann  an  aon  fhacal,  tha  maitheanas  pheac- 
anna  air  a  sgriobhadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
ann  an  litrichean  cho  mor  's  nach  h-urrainn 
eadhoin  dhaibhsan  nach  toir  suil  air,  ach  an 
drasd  's  a  rithist,  gun  amas  air  an  fhirinn  so. 
Ach  ged  tha  'm  Biobull  a'  teagasg  maitheanas 
pheacanna,  's  ged  tha  'n  creidimh  so  a'  toirt 
comhfhurtachd  is  misneach  do  na  miltean  a  tha 
creidsinn  gu'n  do  chuir  Dia  foluch  air  an  cionta, 
cha'n  'eil  e  furasd  idir  a  radh  ciod  a  tha  maith- 
eanas a'  ciallachadh.  Tha  e  duihch  cunntas 
ceart  a  thoirt  air  maitheanas  eadar  duin'  is  duine, 
ach  tha  e  ni's  duiliche  cunntas  a  thoirt  air  eadar 
Dia  is  duine.  Ann  an  aon  seadh,  tha  maith- 
eanas a'  ciallachadh  saors'  o  pheanas.  Is  e  so 
an  taobh  de  'n  fhirinu  air  an  do  ghreimich  an 
cinneadh  daonna  an  toiseach,  agus  faodaidh 
gur  h-e  so  an  aon  taobh  air  an  seall  iadsan  nach 
d'  thainig  fhathast  gu  ire  duine  ann  an  nithean 
spioradail.  Ach  ged  a  dh'  fhaodas  maitheanas 
saors'  o  pheanas  a  ghiulan  'na  lorg,  tha  e  ciall- 
achadh tuilleadh  is  sin.  Faodaidh  duine  gun 
peanas  a  dheanamh  air  neach  a  thoill  e,  agus 
fathast  gun  maitheanas  a  thoirt  dha.  Agus 
faodaidh  e  maitheanas  a  thoirt  dha  agus  a 
pheanasachadh  aig  a'  cheart  am.  'Nuair  tha 
duin'  a'  toirt  maitheanais  do  charaid  no  do 
choimhearsnach  a  rinn  cron  air,  cha  'n  e  mhain 
nach  'eil  e  'g  iocadh  peanas  airson  an  uilc,  ach 
innsidh  e  dha  nach  ruig  na  thainig  eatorra  a  leas 
an  sgaradh  o  cheile,  no  an  t-seann  daimh  anns 
an  robh  iad  a  bhriseadh.  Is  e  gath  an  uilc  an 
sgaradh  a  tha  e  deanamh  eadar  duin  is  duine, 
an  t-amharus  a  tha  e  togail,  agus  am  fuachd  a 
tha  e  dusgadh.  Tha  'm  peacadh  a'  deanamh  a' 
cheart  ni  eadar  Dia  is  duine.  Ach  'nuair  tha 
Dia  a'  maitheadh  cionta,  tha  e,  mar  gu'm  b'eadh, 
a'  tionndadh  aghaidh  as  ur  ris  a'  chiontach,  a' 
briseadh  sios  am  balla-dealachaidh  a  bha  eatorra, 
agus  a'  toirt  as  an  rathad  na  bha  'gan  cumail  o 
cheile.  Tha  e  nadurra  do  dh'  anam  an  duine 
bhi  ann  an  daimh  chairdeil  ri  Dia,  agus  is  e  fath 
a  bhrdin,  ma  pheacaicheas  e,  gu  bheil  an  daimh 
sin  air  a  briseadh,  ach  'nuair  tha  Dia  a'  toirt 
maitheanas  dha,  tha  'n  seann  chairdeas  air  a 
shlanuchadh  's  tha  'n  t-anam  a'  faotainn  misnich 
gu  bheil  cuisean  eadar  e  fein  is  Dia  m^r  bu 
choir  dhaibh  a  bhith.  Tha  e  faireachduinn 
nach  'eil  gruaim  air  Dia  ris,  agus  duisgidh  an 
creidimh  sin  ann,  dbchas  ur,  a  thklaidheas  e  ni's 
dltiithe  do  Dhia  's  do  naomhachd. 


II.  Ged  bu  mhaith  le  Dia  maitheanas  a  thoirt 
do  na  h-uile,  tha  e  fior,  mar  an  ceudna,  nach  'eil 
na  h-uile,  'ga  fhaotainn.  Carson  a  tha  sin  mar 
sin  ?  Faodar  a  bhi  cinnteach  nach  'eil  claon 
bhaigh  aig  Dia  ri  neach  seach  neach  eile,  agus 
gu  bheil  e  riaghladh  ann  an  ceartas.  Tha  na 
sgriobtuirean  ag  radh  gur  h-e  iadsan  a  ni  aith- 
reachas  a  gheibh  maitheanas,  ach  faodar  an  rud 
a  chur  ann  an  doigh  eile  agus  a  radh,  gu'n  toir 
Dia  maitheanas  dhaibhsan  a  tha  airidh  air.  Cha 
'n  urrainn  sinn  sealltuinn  mu'n  cuairt  oirnn  gun 
fhaicinn  gu  bheil  cuid  de  dhaoine  airidh  air 
maitheanas,  agus  cuid  eile  nach  'eil.  Ciod  a 
theirear  ris  an  duin'  a  rinn  gniomh  olc,  cealgach, 
an-iochdmhor,  ach  nach  do  ghabh  naire  dheth 
fhein  no  aithreachas  do  'n  chron  a  rinn  e,  agus 
a  dheanamh  a'  cheart  ni  cho  togarrach  am  mair- 
each  nam  faigheadh  e  cothrom — ciod  ach  nach 
b'  f  hiach  maitheanas  a  thoirt  dha.  A  reir  coltais, 
tha  spiorad  an  duine  cho  olc  's  a  chridhe  cho 
cruaidh  's  gur  coingeis  leis  an  eucoir.  Tha  ar 
coguis  nadurra  a'  diteadh  a  leithidh  sin  de 
dhuine,  agus  ni  Dia  an  ni  ceudna,  oir  is  fuath- 
ach  leis  olcas  an  duine  mar  nach  fuathach 
eadhoin  le  'r  coguis-ne.  Ach  'nuair  a  chi  sinn 
gu  bheil  duine  gabhail  naire  do'n  olc  a  rinn  e, 
air  dha  tigh'nn  thuige  fein  an  deigh  laimhe,  gu 
bheil  e  'g  aideachadh  a  chionta  gu  saor,  's  a'  cur 
roimhe  le  durachd  nach  dean  e  rithist  e,  gu 
bheil  na  rinn  e  a'  luidhe  gu  trom  air  a  choguis, 
's  gu  bheil  e  ni's  cruaidhe  air  fhein  no  tha  duin' 
eile,  cha  'n  urrainn  sinn  gun  a  thaobh  a  ghabh- 
ail,  's  ar  tianuis  a  thogail  gur  h-airidh  e  air 
maitheanas,  agus  gu'm  bu  don'  an  duine  nach 
tugadh  dha  e.  Tha  ar  coguis  nadurra  ag  iarradh 
cothrom  a  thoirt  d'a  leithid  sin  de  dhuine,  agus 
a  chionn  gu  bheil  gradh  is  ceartas  is  caomhalachd 
Dhe  ni's  airde  no  ar  coguis-ne,  bheir  e  maith- 
eanas, an  da  chuid,  gu  saor  agus  gu  pailt.  Cha'n 
e  'm  peacadh  a  tha  Dia  idir  a  maitheadh  ach  am 
peacach,  agus  cha  'n  ann  air  lionmhoireachd 
nam  peacanna  a  sheallas  e,  ach  air  spiorad  an 
duin'  a  rinn  iad.  Ma  tha  e  faicinn  comharadh 
sam  bith  anns  an  duine  gur  fhiach  maitheanas  a 
thoirt  dha  no  gur  h-airidh  e  air  truas  no  baigh, 
nochdaidh  e  trocair,  agus  cuiridh  e  folach  air  a 
chionta. 

III.  Cha  'n  'eil  maitheanas  a'  ciallachadh 
nach  diol  am  peacach  anns  an  t-saoghal  so  air- 
son  an  uilc  a  rinn  e.  Bhiodh  e  dana  dhuinn  a 
radh  ciod  a  thachras  anns  an  ath  shaoghal,  ach 
faodaidh  e  bhith  gu'n  diol  eadhoin  na  naoimh 
airson  gach  peacaidh  a  rinn  iad  's  an  fheoil,  's 
gu'n  teid  miltean  bliadhna  seachad  m'an  ruig 
cuid  dhiu  air  an  inbhe  spioradail  aig  each.  Ach 
ciod  air  bith  a  thachras  air  taobh  thall  na  h- 
uagha,  tha  e  fior  gu'm  buain  am  peacach  anns 
an  t-saoghal  so  an  ni  a  chuir  e,  co  dhiu  a  fhuair 
e  maitheanas  no  nach  d'  fhuair.  Ma  bha  duine 
'na  dhrongair,  no  ma  pheacaich  e  an  aghaidh  a 
chuirp,   air  dhoigh   eile,  cha  ghlan  aithreachas 


11 


fhuil  's  cha  sl^nuich  trocair  Dhe  a  ghruthan. 
Tha  thuarasdal  fein,  gu  nadurra,  an  cois  gach 
peacaidh,  agus  cha  ghabh  e  seachnadh.  Cha  'n 
'eil  ar  peacanna  air  an  toirt  air  falbh  anns  an 
t-seadh,  gu  bheil  sinn  mar  nach  do  rinn  sinn 
riamh  olc.  Cha  'n  'eil,  's  cha  bhi.  Fagaidh 
eadhoin  am  peacadh  anns  an  d'  fhuair  sinn 
maitheanas  a  larach  'na  dheigh,  agus  gu  la  ar 
bais  is  misde  sinn  e,  oir  gheibh  sinn  annainn 
fhein  na  droch  thogarraidhean  a  dh'  fhag  e. 
Ach  bheir  Dia  air  falbh  ar  peacanna,  anns  an 
t-seadh,  gu'n  gabh  e  ri  ar-n  aithreachas,  gu'n 
nochd  a  fhabhar  dhuinn  ged  tha  sinn  ciontach, 
's  gu'n  leig  e  sholus  's  a  ghradh  thugainn  mar 
gu'm  bitheamaid  airidh  orra.  Brisidh  e  am  balla 
•dealachaidh  a  bha  seasamh  eadar  e  fein  is  sinne, 
air  chor  's  gu'm  faigh  ar-n  anam  co-chomunn  ris. 
Tha  e  cur  folach  air  ar  peacanna,  cho  fad  's  a 
bha  iad  a'  dunadh  na  slighe  'ga  ionnsuidh  fein. 
Is  e  so  a'  bheannachd  a's  priseile  a  tha  leantuinn 
maitheanas  pheacanna,  oir  is  e  co-chomunn  ri 
Dia  beatha  'n  anma.  Ghiulaineadh  an  duin' 
aithreachail  peanas  a  pheacanna  gu  toileach,  nan 
tionndadh  Dia  aghaidh  ris  ann  an  gradh  's  an 
reite. 

IV.  Cha  'n  'eil  maitheanas  a'  fagail  an  duine 
mar  bha  e  roimhe.  Tha  e  'g  atharrachadh  a 
smuaintean  air  Dia  's  air  a  dhleasdanas.  Tha  e 
dusgadh  ann  misneach  is  dbchas,  agus  oibrichidh 
dbchas  miorbhuilean.  Tha  maitheanas  dha  mar 
theisteanas  gu  bheil  earbs'  aig  Dia  as,  agus 
duisgidh  sin  dilseachd  ann,  air  chor  's  gu'm  bi  e 
airidh,  ri  uine,  air  an  earbs'  a  chuir  Dia  ann. 
Tha  maitheanas  mar  so  ag  oibreachadh  naomh- 
achd  annta-san  a  fhuair  e.  Tha  caomhalachd 
is  maitheas  Dhe  a'  leaghadh  cruas  an  cridhe, 
'sa'  dusgadh  annta  taingealachd  a  bhrosnuicheas 
iad  gu  seirbhis  a  dheanamh  do'n  Tighearna  le 'n 
uile  chridhe.  Feumaidh  sinn  uile  a  radh  gu'n  do 
pheacaich  sinn  mar  rinn  ar-n  athraichean  romh- 
ainn.  Ciod  am  milleadh  a  rinn  ar  peacanna  air 
ar  beatha  cheana,  cha  'n  urrainn  dhuinn  a 
thomhas.  Ciod  am  brbn  a  dh'  aobharaicheas 
iad  dhuinn  anns  na  bliadhnachan  ri  teachd,-  is 
ann  aig  Dia  a  mhain  tha  fios.  Ach  tha  Dia 
trocaireach  agus  bheir  e  maitheanas  ged  a 
smachdaicheas  e.  Agus  is  fhearr  smachdachadh 
le  maitheanas  seach  suaimhneas  gun  reite. 

O'n  doimhne,  o  lehobhah  Dhe, 
Do  ghlaodh  mi  riutsa  suas  : 
Dhia,  eisd  ri  m'  ghuth  gu  furachar  ; 
'S  ri  m'  urnuigh  crom  do  chluas. 


lONGANTAS    IS   AORADH. 


Tha  cuid  de  bhriathran  Chriosd  nach  d'  fhuair 
ait'  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  air  an  gleidh- 
eadh  air   chuimhne  le   beul  aithris  na  h-eaglais, 


agus  tha  cuid  eile  air  an  tasgadh  suas  ann  an 
seann  sgriobhaidhean.  Faodaidh  e  bhith  nach 
do  labhair  e  idir  cuid  de  na  facail  sin  a  thatar  a' 
fagail  air,  ach  tha  feadhainn  dhiubh  air  a  bheil 
dreach  na  firinn.  O  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan,  dh'  amais  sgoilear  a  bha  ruamhar  airson 
sheann  chrogan  air  paipeir  anns  an  robh  na  facail 
so  air  an  sgriobhadh,  Na  sguireadh  esan  a  shireas 
gus  am  faigh  e,  agus  'jiiiair  a  gheibh  e  bidh 
iongantas  air,  ach  air  dha  iongantas  a  ghabhail, 
ruigidh  e  an  Rioghachd,  agus  'nuair  a  ruigeas  e 
an  Rioghachd,  gheibh  efois. 

Ma  labhair  Criosd  na  briathran  so,  tha  e 
coltach  gur  h-e  'n  smuain  a  bha  'na  inntinn  aig 
an  am,  gur  h-e  Iongantas  an  iuchair  a  dh'fhosglas 
dorus  an  teampuill  anns  a  bheil  glbir  Dhe  ri 
fhaicinn.  'Nuair  a  bhasaicheas  Iongantas  ann 
an  cridhe  mhic  an  duine,  tha  e  fas  dall,  agus  ged 
a  bhios  gl6ir  an  Uile-chumhachdaich  a'  dealradh 
mu'n  cuairt  air,  cha  leir  dha  i.  Tha  sinn  an  dull 
gu'n  robh  an  smuain  so  ann  an  inntinn  Chriosd 
'nuair  thuirt  e  mu  na  leanaban — Is  ann  d'  an 
leithidibh  sin  a  tha  rioghachd  neimh.  Tha  'n 
saoghal,  do'n  chloinn  bhig,  mar  theampull  a  tha 
Ian  de  dh'  iongantasan,  oir  tha  suil  is  cluas  a' 
bhaird  aca  agus  cridhe  nan  ainglean.  Chi  iad 
seallaidhean  a  tha  foluichte  o  shuilean  dhaoine 
glic  is  eagnaidh,  agus  cha  chuireadh  e  ioghnadh 
sam  bith  orra  ge  thachradh  Dia  orra,  oir  tha  iad 
an  garadh  Eden  fathast,  's  tha  iad  a'  creidsinn 
gu  bheil  esan  ag  imeachd  's  a'  gharadh  am  fionn- 
arachd  an  Ik.  Tha  muir  is  tir  sgeadaichte  le 
solus  neamhaidh,  agus  chi  an  suilean  mais'  is 
miorbhuilean  anns  a'  cliruthachadh  nach  faic  an 
athraichean.  Ann  an  lubadh  nan  geug,  chi  iad 
na  craobhan  a'  bualadh  am  bas,  agus  ann  am 
fuaim  na  gaoithe  is  torman  an  uillt,  cluinnidh  iad 
osnaichean  o  spioradan  beo.  Tha  druchd  na 
maidne  air  gach  ni  mu'n  cuairt  orra,  agus  bheir 
mac-meamna  an  inntinn  fein  air  an  dithreabh 
fas  ait  agus  tigh'nn  fo  ^bhlath  mar  an  rbs.  Cha'n 
e  mhain  gu  bheil  iad  dluth  do  rioghachd  Dhe, 
ach  tha  iad  'na  teis  meadhoin.  Tha  'n  saoghal 
dhaibh  mar  liichairt  aillidh  anns  a  bheil  deich 
mile  seomar  lah  de  sholasan.  Cha  'n  fhas  iad 
sgith  de  na  h-iongantasan  tir'a  chi  iad  gach  latha, 
oir  is  leothafeinna  chi  iad.  Cha'n 'eil  iad  a'fair- 
•  eachduinn  gur  coigrich  iad  anns  an  liichairt,  no 
nach  buin  an  saoibhreas  's  an  greadhnachas  a 
chunnaic  iad  dhaibh,  oir  cha  'n  'eil  teagamh  aca 
nach  h-ann  le  'n  Athair  a  tha  'n  luchairt,  agus 
do  bhrigh  gur  h-ann,  is  leosan  i  mar  an  ceudna. 
'Nuair  a  chailleas  duine  spiorad  a'  phaisde, 
caillidh  e  spiorad  an  aoraidh  agus  comhara 
na  h-oige.  Fasaidh  a'  chridhe  preasach  cho 
mhaith  ri  'aodann,  agus  cha  bhi  fradharc  no 
claisteachd  aige  do  na  seallaidhean  's  do  na 
guthan  a  bu  choir  Iongantas  a  dhtisgadh  'na 
chridhe.  Ciod  air  bith  a  dhuisgeas  Ioghnadh 
annainn,   is   meadhon  grais  e.     Tha  facal  Dhe 


12 


ni's  motha  no  'm  facal  a  tha  sgriobhta  anns  a' 
Bhiobull.  Rainig  fuaim  a  ghutha  duthchannan 
nach  do  rainig  a  leabhar  naomh.  Tha  e  taisb- 
eanadh  a  ghloire  's  a  chumhachd  ann  an  iomadh 
doigh  a  bharrachd  air  an  taisbeanadh  a  thug  e 
le  bhriathran  do  fhaidhean  's  do  dh'  abstoil. 
Duathaireachd  na  mara,  glbir  nan  speur,  maise 
nam  machraichean,  aai  fli^ir  a's  lugha  's  a  bheinn 
a's  maireannaiche — tha  iad  nil'  a'  searmonach- 
adh  cumhachd  is  maitheas  is  diomhaireachd 
Dhe. 

'Nuair  a  dh'  amhairc  an  Salmadair  air  a'  gheal- 
aich  's  air  na  reultan,  bhruchd  cumhachd  is 
gliocas  Dhe  a  steach  air  anam,  air  chor  's  gu'n 
do  ghlaodh  e  le  h-ioghnadh — Ciod  e  an  duine 
gu'n  amhairceadh  tu  air,  no  mac  an  duine  gu'm 
fiosraicheadh  tu  e.  Ged  is  aithne  dhuinn  an 
diugh  barrachd  mu  na  reultan  's  a  b'  aithne 
dhasan,  tha  'n  speur  cho  Ian  ioghnaidh  fathast 
's  a  bha  i  'nuair  a  dhealraich  na  rionnagan  air 
lacob  ann  am  Betel.  Ann  an  aon  seadh,  tha 
eolas  a'  fogradh  ioghnaidh,  ach  ann  an  seadh 
eile,  tha  e  'ga  dhublachadh.  Ma  shaoileas  esan 
aig  a  bheil  sbruileach  ealadhain  gu'n  do  chuairt- 
ich  e  le  inntinn  bhig  fhein  an  cruthachadh  uile 
is  oibrichean  miorbhuileach  Dhe,  cha  'n  a  eolas 
no  barrachd  gliocais  a  bheir  air  sin  a  shaoilsinn, 
ach  an  t-aineolas  's  an  ladarnas.  Ma  tha  'n 
t-eolas  air  an  do  rainig  mac  an  duine  a' 
tilgeadh  soluis  air  nithean  a  bha  cuairtichte  le 
tiugh  dhorchadas  roirahe  so,  tha  e,  mar  an 
ceudna,  a'  nochdadh  dha  gu  bheil  aird  is  doimhn' 
is  farsuingeachd  ann  an  cruthachadh  Dhe  nach 
do  shaoil  e.  Tha  e  fogradh  aon  seorsa  iogh- 
naidh gu  bhi  toirt  ioghnaidhean  a's  motha  's  an 
t-sealladh,  agus  cha  'n  ann  o  dhaoin'  aineolach 
ach  o  dhaoine  glic  is  eagnaidh,  a  chluinnear  a 
nis  am  facal,  Cia  iongantach  is  do-rannsaichte, 
t-oibrichean,  a  Dhe.  Thug  gloineachan  nan 
speuradairean  a'  ghealach  cho  dluth  dhuinn  's 
gur  h-ailhne  dhuinn  coslas  a  h-aghaidh  ni's  fhearr 
na  b'aithne  d'  ar-n  athraichean  an  Afric  no  na 
h-Innsean,  agus  tomhsaich  luchd  ealadhain  cud- 
throm  na  greine  is  astar  a'  ghrioglachain.  Ach 
ma  thug  iad  a'  bhairlinn  do  bhodach  na  geal- 
aich,  's  ma  dhearbh  iad  nach  robh  ann  ach 
mealltair  nach  robh  cho  iongantach  no  cho 
eagallach  's  a  shaoil  sinn  aon  uair,  chuir  iad 
ioghnadh  a's  motha  'na  aite 

Co  dhiu  a  bheachdaicheas  sinn  air  meud  is 
farsuingeachd  a'  chruthachaidh,  no  air  a'  mhaise 
leis  a  bheil  e  air  a  sgeadachadh,  no  air  an  riagh- 
ailt  leis  a  bheil  gach  ni  air  an  cumail  'nan  aite, 
duisgidh  e  ioghnadh  'nar  cridhe  air  nach  h-urr- 
ainn  sinn  cainnt  a  chur.  Tha  'n  cuan  farsuing, 
agus  gabhaidh  na  longan  a  sheolas  air  cunntas, 
ach  an  drasd  's  a  rithist  theid  iad  a  mach  as  an 
cursa,  agus  bualaidh  iad  'na  cheile.  Ach  cha 
dean  esan  aig  a  bheil  ailm  a'  chruinnece  'na 
asgail  mearachd.      Tha  mile  agus    deich   mile 


saoghal — cuid  dhiu  mile  uair  ni's  motha  no  'rt 
saoghal  so — a'  siubhal  gun  sgur  troimh  fhars- 
uingeachd  an  domhain  mhoir,  le  luathas  nach 
gabh  innseadh,  ach  tha  iad  uile  air  an  cumail  'nan 
aite  le  lamh  chumhachdacih  an  Ti  a  dhealbh 
iad.  Aig  aon  am  bha  daoine  'n  dull  gu'm  b'e  'n 
saoghal  so  teas-meadhoin  a'  chruthachaidh,  's 
nach  robh  anns  na  reultan  ach  eibhlean  soluis 
air  an  crochadh  anns  an  speur  chum  ceuman 
luchd  siubhail  na  h-oidhch'  a  stiuradh.  Ach  an 
diugh  thatar  a'  faicinn  nach  'eil  anns  an  t-saoghal 
so  ach  neo-ni  anns  a'  chruthachadh,  cho  beag  's 
nach  gabh  e  comharachadh  am  measg  nan 
reultan  eile,  leosan  a  dh'  fhaodas  a  bhi  comh- 
nuidh  ann  a  h-aon  de  na  saoghal  a  tha  snamh 
mu'n  ghrein.  Thug  Dia  taisbeanadh  do  na 
speuraidean  cho  cinnteach  's  a  thug  e  do'n 
Abstol  Eoin,  agus  tha  'n  teachdaireachd  a  chuir 
e  thugainn  leis  na  gloineachan  amhairc  acasan, 
cho  fior  ris  an  teachdaireachd  a  labhair  e  leis  na 
faidhean.  Ma  tha  'n  speur  a'  nochdadh  gloir 
Dhe,  tha  speuradaireachd  a'  nochdadh  cumh- 
achd inntinn  mhic  an  duine. 

Cha 'n 'eil  ceann  no  crioch  aig  a' chruthachadh. 
Ged  a  shiubhlamaid  air  sgiathaibh  na  h-oidhche 
gu  iomall  nan  speur,  cha  tugamaid  ach  aon 
cheum  anns  an  fharsuingeachd  neo-chriochnach. 
Chitheamaid  saoghail  ura  tigh'nn  's  an  t-sealladh, 
's  ged  shiubhlamaid  le  luaths  an  dealanaich  fad 
miltean  linn,  cha  ruigeamaid  crioch  a'  chruinne- 
ce, 's  cha  'n  fhaiceamaid  ach  earJais  bheag  de 
na  saoghail  do-aireamh  a  tha  siubhal  anns  an 
fharsuingeachd  nach  gabh  tomhas.  Nam  biodh 
an  saoghal  so  's  na  th'air  uachdar,  air  a  thilgeil 
ann  an  cridhe  na  greine,  cha  bhiodh  ann  ach 
duradan  beag  'na  teis-meadhoin,  ach  cha  'n  'eil 
anns  a'  ghrein  fhein  ach  rionnag  bheag  a  tha 
siubhal  mu'n  cuairt  air  grian  a's  motha.  Clia  'n 
'eil  e  comasach  do  dhuine  beachdachadh  air  na 
nithean  sin,  gun  ioghnadh  is  irioslachd  a  bhi  air 
an  dusgadh  ann,  an  lathair  an  Ti  a  chruthaich 
na  neamhan  's  a  tha  riaghladh  os  an  cionn.  Is 
e  'n  t-siorruidheachd,  da  rireadh,  ionad  comh- 
nuidh-san,  agus  is  coir  urram  a  thoirt  dha,  oir 
molaidh  na  neamhan  'iongantais,  agus  nochdaidh; 
an  cruthachadh  nearta  ghairdean. 

Ciod  e  Dia  no  ciod  e  'ainni  ? 

Cha  tuig  na  h-aingil  's  airde  'n  gUiir. 

Tha  e  'na  sholus  dealrach  glan, 

Far  nach  ruig  suil  no  smuain  'na  choir. 

Cha  robh  e  bg,  is  sean  cha  bhi, 
O  shior  gu  sior  gun  chaochladh  staid  ; 
Cha  tomhais  grian  no  gealach  aois  ; 
Oir  's  nithean  caochlach  iad  air  fad. 

'Nuair  chuala  neo-ni  guth  a  bheoil, 

Grad  leum  'na  bith  a'  chruitheachd  mhor,. 

An  cruinne  so  le  'uile  Ian, 

'S  na  neamhan  ard  le  'n  uile  shloigh. 


I 

ft 

SI 


■■^. 


Air   4. 


1910. 


ELIAH. 

Carbad  Israeli  agus  a  mharc-shluagh. — 

2    RiGH  ii.,    12. 


An  uair  a  dh'  innis  aingeal  an  Tighearna  do 
Shacharias  gu'ni  beirteadh  mac  dha  air  an  toir- 
eadh  e  Eoin  mar  ainm,  thuirt  e  ris  mar  an 
ceudna — Bidh  e  mor  ann  an  lathair  an  Tighearna, 
agus  theid  e  roimhe  ann  an  spiorad  agus  ann  an 
cumhachd  Eliab.  Thuig  an  seann  sagairt  gu 
maith  ciod  a  bu  chiall  do'n  fhacal.  agus  rinn  a 
chridhe  gairdeachas  a  chionn  gu'n  robh  Dia  a' 
dol  a  thogail  suas  as  a  theaghlach-san,  faidh  a 
bhiodh  airidh  air  ainmeachadh  anns  an  aon  an- 
ail  ri  Eliah.  Bha  aite  aig  Eliah  ann  an  cridhe 
nan  ludhach  nach  rcbh  aig  neach  eile  riamh  : 
bha  e  dhaibh  mar  tha  Iain  Noes  do  mhuinntir 
Albainn.  Bha  eachdraidh  a  bheatha  air  a  cumail 
air  chuimhne  gu  curamach  ann  am  beul-aithris 
an  t-sluaigh.  Tha  aon  de  na  baird  ag  innseadh 
ciamar  a  bhiodh  sluagh  na  Gaidhealtachd  a'  cur 
seachad  na  h-oidhche  gheamhraidh,  ri  linn  oige. 
Bhiodh  gach  seanair  aosmhor  liath, 
'G  innseadh  sgialachdan  gun  gho, 
Air  gach  gaisgeach  fearail,  greannmhor, 
Bha  's  a'  ghleann  'nuair  bha  iad  bg. 
Bhiodh  seanairean  nan  ludhach  a'  deanamh 
an  ni  ceudna.  Bha  iad  gaolach  air  eachdraidh 
an  duthcba,  agus  bhiodh  iad  a'  cur  smuais  anns 
an  oigridh  le  sgeulachdan  air  treubhantas  nan 
laoch  a  bha  treun  ann  an  cath  agus  a  chuir  air 
theicheadh  armailtean  nan  coimheach.  Cha  robh 
aon  de  na  sgeulachdan  sin  a  bha  cho  taitneach 
le  sean  is  6g  ris  na  sgeulachdan  a  bhiodhteadh 
ag  aithris  air  Eliah.  Bheireadh  iad  air  am  fuil 
fas  teth,  mar  a  bheir  euchdan  Bhruce  air  fuil 
Albannaich.  Mar  a  b'  fhaide  bhuapa  bha 
Eliah  a'  dol,  is  ann  a  b'  airde  bha  chliu  ag  eiridh, 
gus  mu  dheireadh  an  robh  e  am  measg  nam 
faidhean  eile  mar  tha  Beinn  Nibheis  am  measg 
nam  beann.  Ri  linn  an  fhaidh  Malachi,  bha 
fiuthair  aca  gu'n  tigeadh  e  air  ais  anns  an  fheoil, 
agus  an  uair  a  chualas  iomradh  air  na  miorbhuil- 
ean  a  bha  Criosd  a'  deanamh  ann  an  Galile,  bha 
cuid  am  beachd  gur  h-e  Eliah  a  thainig  air  ais. 
Bha  e  air  a  mhonmhur  am  measg  an  t-sluaigh 
gu'n  d'  bl  e  uisge  na  beatha  's  nach  luidheadh 
aois  air,  agus  gu'n  cuireadh  Dia  'g  an  ionnsuidh 
e  an  uair  a  bhiodh  cor  na  duthcha  cho  iosal  's 
nach  b'  urrainn  dhaibh  fein  cuisean  a  leasachadh. 


Thuirt  feadhainn  de  dheisciobuil  Chriosd  gu'm 
fac'  iad  Eliah  maille  ris  air  beinn  a'  chruth- 
aiharrachaidh,  agus  shaoil  cuid  de  na  bha  'nan 
seasamh  aig  a'  chrann-ceusaidh  gur  h-ann  air  a 
bha  Criosd  a'  gairm,  an  uair  a  ghlaodh  e — Eli 
Eli.  lama  sabachthani. 

Tha  so  uile  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  an  greim 
laidir  a  rinn  beatha  's  euchdan  an  fhaidh  air 
inntinn  nan  ludhach.  Bha  rudeigin  anns  an 
duine  nach  robh  a  thaobh  an  t-saoghail  so.  Cha 
robh  fios  aca  co  as  a  thainig  e,  no  c'  ait  an 
deachaidh  e :  bha  bhreith  cho  diomhaireach  ri 
bhas.  Bha  e  dhaibh  mar  Mhelchisedec,  gun 
sinnsearachd,  gun  toiseach  laithean  no  deireadh 
beatha.  Cha  b'  aithne  dhaibh  e  ann  an  laithean 
oige,  oir  cha  d'  thainig  e  am  follais  gus  an  robh 
e  ann  an  lanachd  a  neirt.  Cha  robh  e  coltach 
ri  daoin  eile  'na  phearsa  no  'na  ghiulan.  B'e 
aodach,  falluinn  mholach  is  crios  leathair,  agus 
b'e  ionad  comhnuidh,  uaimhean  nam  beann. 
Bha  nadur  a'  mhanaich  ann,  agus  bu  choma  leis 
seanchas  dhaoine  no  gleadhraich  nam  bailtean. 
Ann  an  uaigneas  an  fhasaich  bha  co  sheanchas 
aige  ri  anam  fein  's  ri  Dia.  Cha  nochdadh  se  e 
fein  am  measg  dhaoine  gus  am  biodh  facal  an 
Tighearna  mar  theine  loisgeach  'na  chnamhan, 
ach  an  sin  thigeadh  e  orra  gun  rabhadh  mar 
thuil.  Cha  bu  luaithe  liubhradh  e  a  theachd- 
aireachd  na  rachadh  e  as  an  t-sealladh,  agus  bha 
amharus  aig  moran  de'n  t-sluagh  gu'n  robh  Dia 
'ga  ghiulan  o  aite  gu  aite  air  sgiathan  na 
gaoithe.  Chitheadh  iad  e  far  nach  robh  fiuthair 
aca  ris,  an  drasd  bhiodh  e  aig  sruth  Cherit,  's  a 
ris  ann  an  coilltean  Charmeil ;  aon  uair  chluinnt- 
eadh  gu'n  robh  e  air  beinn  Horeib,  ach  ma'n 
gann  a  b'urrainn  e  an  t-astar  a  shiubhal,  chluinnt- 
eadh  gu'n  robh  e  aig  cladach  Shidom  ;  o  bheinn 
gu  beinn,  o  bhaile  gu  baile,  o  ghleann  gu  gleann, 
shiubhladh  e  le  luathas  neo-nadurra,  air  chor  's 
nach  'eil  iongantas  air  bith  gu'n  do  shaoil  daoine 
gu'n  robh  cumhachd  neo-thalmhaidh  aige. 

Cha  ruig  sinn  a  leas  moran  iomraidh  a  thoirt 
air  an  obair  a  rinn  an  duine  naomh  is  treun  so 
airson  a  dhuthcha.  Tha  'n  obair  sin  sgriobhta 
ann  an  eachdraidh  Israeli,  agus  ghiulain  i  toradb 
fad  iomadh  linn.  Chuir  a  choltas  's  a  ehainnt 
iongantas  air  an  t-sluagh  an  toiseach,  agus  cha 
robh  fios  aca  co  dhiu  a  theireadh  iad  faidh  no 
amadan  ris,  ach  mar  bha  na  bliadhnachan  a'  dol 
seachad,  's  a  bha  iad  a'  faicinn  gu'n  robh  a 
bhriathran   air  an  seulachadh  le  miorbhuilean. 


14 


thuig  iad  gu'm  bu  teachdair  o  Dhia  e,  da-rireadh. 
Cha  robh  feum  aige  air  teisteanas  o  dhuine  beo, 
oir  bha  theisteanas  an  clar  aodainn,  's  bha 
cumhachd  an  Spioraid  air  a  ghiulan.  Ged  a  bha 
e  comhnuidh  ann  an  uaigneas  nam  beann,  chual 
e  mu  dhol  a  mach  an  righ,  agus  las  a  ciiorruich. 
Air  comhairle  a  dhroch  mhnatha  chuir  Ahab  air 
chois  ann  an  Samaria  altair  do  Bhaal,  agus  ann 
am  beagan  nine  bha  sagairtean  Bhaail  cho  tiugh 
anns  an  duthaich  ris  na  fionnain  fheoir.  Chunn- 
aic  Eliah  nach  b'  fhada  gus  an  deanadh  na 
h-iochdarain  mar  rinn  an  t-uachdaran,  's  gu'm 
biodh  cridheachan  an  t-sluaigh  air  an  tarruing 
air  falbh  o  Dhia  an  atharaichean  chum  aoradh 
a  dheanamh  do  dhiathan  breige.  Chuir  e  fearg 
air  gu'm  biodh  de  dhanadas  aig  duine  a  bha  'na 
shuidhe  air  righ-chaithair  Israeil  eas-urram  a 
thoirt  do  lehobhah,  an  Dia  a  bheannaich  a 
shinnsearan  's  a  shaor  iad  le  cumhachd  a  ghaird- 
ein,  agus  chuir  e  naire  air  gu'm  biodh  an  sluagh 
cho  neodhileas  d'an  creidimh,  's  gu'n  leigeadh 
iad  eadhoin  leis  an  righ  fein  toibheum  a  thoirt 
do  Dhia.  Ghlac  EUah  a  bhata,  chrioslaich  se 
e  fein  agus  thog  e  air  gu  cuirt  an  righ,  chum 
fianuis  a  thogail  an  ai^haidh  na  h-eucoir.  Bha 
facal  an  Tighearna  mar  theine  'na  chridhe,  agus 
cha  b'urrainn  e  cumail  air  fein.  Fad  uile  laith- 
ean  a  bheatha  tuilleadh  ghleachd  e  an  aghaidh 
cuilbheirtean  an  righ  's  a  mhnatha,  agus  an 
aghaidh  aingidheachd  spioradail  ann  an  ionadan 
arda.  Ach  bha  Dia  's  an  fhirinn  air  a  thaobh, 
's  ged  a  bha  'n  cath  searbh  is  fada,  shaor  e  a 
dhuthaich  o  chreidimh  Bhaail,  agus  bhbidich  an 
sluagh  nach  deanadh  iad  seirbhis  do  dhia  eile 
ach  lehobhah  a  mhain. 

Ma  bha  teachd  Eliah  diomhaireach  ciod  a 
theirear  ri  fhalbh  ?  Tha  am  fear  a  sgriobh 
leabhar  nan  Righrean  ag  radh  nach  do  bhlais  e 
bas,  ach  gu'n  do  thog  Dia  suas  e  gu  neamh  ann 
an  iom-ghaoith.  Thainig  guth  an  Tighearna 
'ga  ionnsuidh  agus  dh'  iarr  e  air  aghaidh  a  thionn- 
dadh  gu  beanntan  Nebo.  Tha  e  collach  gu'n 
robh  amharus  aig  Eliah  ciod  a  bha  ri  tachairt, 
oir  ma'n  d'  fhalbh  e  air  a  thurus  deireannach, 
chaidh  e  mu'n  cuairt  sgoilean  nam  faidhean  bga 
chum  beannachd  fhagail  aca.  B'  ann  orrasan 
a  thuiteadh  uallach  an  latha,  an  deigh  a  bhais, 
agus  bu  mhaith  leis  aon  earail  dhurachdach  a 
thoirt  dhaibh  's  an  dealachadh.  Am  measg  nan 
deisciobul  bga,  bha  aon  fhear  d'  an  d'  thug 
Eliah  gradh  mor.  B'e  sin  Elisha,  a  bha  dha  mar 
bha  Timbteus  do  Phol.  B'e  aoibhneas  Elisha 
frithealadh  a  dheanamh  do'n  t-seann  fhaidh,  agus 
chuir  e  roimhe  gu'n  rachadh  e  maille  ris  gu 
Nebo.  Ach  bha  eagal  air  Eliah  nach  seasadh 
a  chridhe  ris  an  t-sealladh  a  chitheadh  e,  agus 
dh'  iarr  e  air  gu  caomhal  gun  dol  ann. 

"  Fan  an  so,"  thuirt  e  ris,  "oir  chuir  an  Tigh- 
earna mise  gu  lordan."  Ach  cha  dealaicheadh 
Elisha  ri  mhaighstir  agus  fhreagair  e — "  Mar  is 
beo  an  Tighearna,  agus  mar  is  beo  t-anam,  cha'n 


fhag  mi  thu."  Bhuail  am  faidh  uisgeachan  na 
h-aibhne,  's  chaidh  e  fein  's  a  chompanach  thairis 
oirre  air  chasa  tioram,  agus  an  uair  a  bha  iad  a' 
gabhail  air  an  aghaidh  agus  a'  comhradh,  feuch 
carbad  teine  agus  eich  iheiiie  a  dhealaich  o  cheile 
iad  agus  chaidh  Eliah  suas  le  h-iom-ghaoith  do  na 
neainhan.  Cha  'n  fhaca  suil  duine  an  sealladh 
ud  ach  Elisha,  agus  cha  robh  e  iongantach  nach 
tugadh  daoine  Ian  gheill  dha,  an  uair  a  thill  e  air 
ais  's  a  dh'  innis  e  ciod  a  thachair.  Chuir  mic 
nam  faidhean  leth-cheud  fear  treun  a  mach  a 
shiubhal  an  t-sleibhe  's  nam  beann,  ach  ged  a 
shiubhal  iad  fad  tri  laithean,  cha  d'  fhuair  iad 
Eliah.     Cha  robh  e  ann,  oir  thug  Dia  leis  e. 

Tha  e  furasda  gu  leor  a  thuigsinn  gu'n  do  rinn 
Eliah  obair  mhor  is  mhaith  ann  an  Israeil,  ach 
cha  'n  'ail  e  cho  furasd  a  thuigsinn  carson  nach 
do  bhlais  e  bas  mar  dhaoin  eile.  Faodaidh  e 
bhith  gu'n  robh  an  sluagh  cho  as-creidmheach 
aig  an  am,  's  nach  gabhadh  iad  ris  na  firinnean 
a  dh'  fhoillsich  Dia  dhaibh  le  beul  an  fhaidh, 
mur  faiceadh  iad  comharraidheun  is  miorbhuil- 
ean.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  so  anns  an 
amharc  aig  an  fhear  a  sgriobh  cunntas  air  a 
bhas,  agus  aig  Elisha  o'n  d'  fhuaradh  an  naigh- 
eachd  an  toiseach.  Na'n  d'  fhuair  Eliah  sineadh 
laithean  an  deigh  'obair  a  chriochnachadh,  agus 
na'n  deachaidh  e  gu  siorruidheachd  troimh 
gheatachan  a'  bhais  mar  chaidh  a  choimhears- 
naich,  dh'  fhaodadh  a  theagasg  's  a  ghniomharan 
a  bhi  air  an  dichuimhneachadh,  ach  an  uair  a 
sheulaich  Dia  obair  a  sheirbhisich  le  thogail  suas 
gu  neamh  gun  bas  fhulang,  bha  inntinn  is  cridhe 
na  duthcha  air  an  glacadh  air  mhodh  sonruichte, 
agus  cha  leigeadh  an  sluagh  as  an  cuimhne  gu 
brath  beatha  's  teagasg  an  duine  naoimh.  Co 
dhiu  a  sheallar  air  bas  Eliah  mar  mhiorbhuil  no 
mar  chosmhalachd,  faodar  a  radh  gur  h-e  sud 
an  doigh  a  ghabh  Dia  chum  ughdarras  spioradail 
an  fhaidh  a  nochdadh  d'a  shluagh  ann  an  6g- 
mhaduinn  a'  chreidimh,  'nuair  a  bha  Israel 
fathast  ann  a  staid  a  leanabachd. 

Cha  ghabhadh  briathran  a  bu  fhreagarraiche 
bhi  air  an  sgriobhadh  air  earn  Eliah  no  na 
briathran  a  labhair  a  sheirbhiseach — M'  athair, 
m'  athair,  carbad  is  marc-shluagh  Israeil.  Is  e 
bha  Elisha  a'  ciallachadh,  gu'n  robh  fireantachd 
Eliah  'n  a'  bhalla-dion  do  Israeil.  Bha  fhacal 
cho  cumhachdach  ri  mile  carbad  cogaidh  is 
deich  mile  marc-shluagh.  Chum  e  an  rioghachd 
gun  dol  air  seacharan  gu  buileach  o  Dhia,  agus 
gun  ceartas  is  firinn  a  threigsinn.  Cha  'n  ann 
an  lionmhoireachd  shaighdearan  no  luingeis 
chogaidh  a  tha  mbrachd  rioghachd  a  co-sheas- 
amh,  ach  ann  an  onoir  is  firinn  is  ceartas  a 
sluaigh.  Ardaichidh  fireantachd  cinneach,  ach 
is  e  am  peacadh  masladh  sluaigh.  Bha  urnuigh- 
ean  is  gniomharan  is  fireantachd  Eliaih  mar 
armailt  air  taobh  Israeil.  B'e  am  facal  a  bu 
bhitheanta  air  a  bhilean,  An  Tighearna  Dia,  an 
lathair  a  bheil  mi  a'm  sheasamh.      Sheasadh  e 


J 

-4, 


J 

r 
« 

I 

I 


15 


air  beulthaobh  righrean,  's  cha  chuireadh  am 
fearg  no  am  maoidheadh  eagal  air,  oir  b'e  Dia  a 
thearmunn  agus  a  neart.  Bha  e  faireachduinn 
gu'n  robh  ainglean  Dhe  'ga  dliion  'n  a  dhol  a 
mach,  's  'n  a  theachd  a  steach.  Ma  thug  so 
misneach  dha,  rinn  e  iriosal  e  mar  an  ceudna. 


A'   BHRIOGAIS    LACHDUNN. 


Bu  mhor  an  tamailt  a  chuir  lagh  Bhreatuinn  air 
na  Gaidheil  ann  an  1747,  an  uair  a  thoirmisg  e 
dhaibh  an  deise  Ghaidhealach  a  chosg.  Bha  e 
ceart  gu  leor  gu'n  toirmisgeadh  lagh  na  duthcha 
dhaibh  airm  a  ghiulan,  oir  cha  b'  urrainnear  dol 
an  urras  orra  nach  tugadh  iad  ionnsuidh  eile  air 
son  a'  Phrionnsa.  Bha  e  searbh  le  cinneach 
uaibhreach  an  airm  a  liubhairt  d'  an  namhaid, 
ach  bha  e  seachd  uairean  na  bu  tamailtiche  leo 
a'  bhriogais  lachdunn  a  tharruing  suas  m'am 
masan,  le  ordugh  Parlamaid. 

Cha  'n  'eil  e  iongantach  gu  'n  duisgeadh 
am  mac-mallachd  an  cridhe  na  feadhnach  a 
chuireadh  air  am  mionnan,  nach  cuireadh  iad 
suas  bad  de'n  deise  Ghaidhealaich  gu  brath  tuill- 
eadh.  B'e  so  a  bhbid  a  b'  fheudar  dhaibh  a 
thoirt : — 

"  Tha  mi  toirt  mo  mhionnan,  mar  a  fhreagras  mi 
do  Dhia  aig  latha  mora' bhreitheanais,  nach 'eil's  nach 
bi  agam  gunna,  claidheamh,  daga,  no  arm  sam  bith 
eile,  agus  nach  cuir  mi  orm  breacan  no  feileadh  no 
bad  de'n  deise  Ghaidhealaich  ;  ach  ma  chuireas, 
mallaichte  gu'n  robh  mo  theaghlach  's  mo  chuid  ; 
na  faiceam  gu  brath  tuilleadh  mo  bhean  's 
mo  chlann,  m'  athair,  mo  mhathair,  no  mo  chaird- 
ean  ;  tuiteam  anns  a'  bhlar  mar  ghealtair  agus 
grodadh  mo  chnamhan  ann  an  tir  choimhich,  fad  o 
uaigh  mo  shinnsearan  's  mo  luchd  daimh  ;  thig- 
eadh  so  uile  orm  ma  theid  mi  an  cois  m'  fhacail." 

Cuiridh  na  mionnan  uamhasach  ud  gairisinn 
am  feoil  dhaoine  cneasda,  agus  ged  nach  robh 
gaol  againn  fein  riamh  air  feileadh  mar  dheise, 
bu  mhaith  leinn  buille  de  bhata  daraich  a  thoirt 
air  caol-druim  an  trusdair  a  chuir  na  briathran 
oillteil  an  altaibh  a  cheile. 

Faodar  fhaicinn  ann  an  litreachas  nan  Gaidh- 
eal  gu'n  do  dhuisg  an  lamhachas  laidir  so  droch 
spiorad  annta,  oir  thug  fear  no  dha  de  na  baird 
greis  air  caineadh  na  briogais  lachduinn.  Tha 
am  meas  toirmisgte  daonnan  ion-mhiannaichte, 
agus  is  d6cha  nach  biodh  gaol  nam  bard  cho 
mor  air  an  fheileadh  mur  biodh  an  grain  cho 
mor  air  Diuc  Chumberland.  Anns  an  oran — 
JIi7i  do  dubh — thuirt  Mac  Mhaighstir  Alasdair: — 


B'  fhearr  learn:  breacan  uallach, 

Mu  m*  ghuaillean  's  a  chuir  of  m'  achlais, 

Na  ged  gheibhinn  cbta, 

De'n  chlo  a's  fearr  a  thig  a  Sasunn. 


Bu  mhaith  anns  an  oidhch  thu, 
Mo  loinn  thu  mar  aodach  leapa ; 
B'  fhearr  leam  no  'm  brat  lin  thu 
A's  priseile  thig  a  Glascho. 

'S  baganta  grinn  boidheach, 

Air  banais  's  air  mbd  am  breacan  ; 

Suas  am  feileadh-sguaibe, 

'S  dealg-guailne  a'  cur  air  fasdaidh. 

Bu  mhaith  a  la  's  a  dh'oidhch  thu, 
Bha  loinn  ort  am  beinn  's  an  cladach, 
Bu  mhaith  am  blar  's  an  sith  thu ; 
Cha  righ  am  fear  a  chuir  as  duit. 

Bha  fios  aig  Mac  Mhaighstir  Alasdair  ciod  a 
bha  's  an  amharc  aca-san  a  thug  a  mach  an  t- 
achd  miomhail  ud,  ach  tha  e  'g  innseadh  dhaibh 
gu  'm  faigh  Righ  Deorsa  bristeadh  duil,  ma  bha 
fiuthair  aige  gu'm  bristeadh  a'  bhriogais  spiorad 
a'  Ghaidheil. 

Shaoil  e  gu'n  do  mhaolaich  so, 

Faobhar  nan  Gaidheal  tapaidh, 

Ach  's  ann  a  chuir  e  geur  orra, 

Ni  's  beurra  no  deud  na  h-ealltainn. 

Dh'  fhag  e  iad  Ian  ml-ruin, 

Cho  ciocarach  ri  coin  acrach  ; 

Cha  chaisg  deoch  an  iotadh, 

Ged  b'  fhion  i,  ach  fior  fhuil  Shasuinn. 

Ged  spion  sibh  an  cridh  asainn, 
'S  ar  broillichean  sios  a  shracadh, 
Cha  toir  sibh  asainn  Tearlach, 
Gu  brath  gus  an  teid  ar  tacadh. 

Cha  'n  e  Oran  na  Briogaise  aon  de  na  h-orain 
a's  fearr  a  rinn  Donnacha  Ban,  ach  faodar  rann 
no  dha  dheth  a  chur  sios,  oir  tha  e  nochdadh 
nach  robh  gaol  an  t-samhraidh  aig  a'  bhard  do'n 
eideadh  iir. 

Bha  uair  eigin  de  'n  t-saoghal 

Nach  saoilinn  gu'n  cuirinn  orm, 

Briogais  air  son  aodaich, 

'S  neo-aoidheil  air  duine  i ; 

'S  ged  tha  mi  deanamh  uis  dhi, 

Cha  d'  rinn  mi  bonn  sulais, 

Ris  an  deise  nach  robh  daimheil, 

Do'n  phairti  d'  am  buininn-sa  ; 

'S  neo-sheannsar  a'  chulaidh  i, 

Gur  grannda  leinn  umainn  e; 

Cho  teann  air  a  cumadh  dhuinn, 

'S  nach  b'  fheairrde  leinn  tuilleadh  i ; 

Bidh  putanan  'na  gluinean, 

Is  bucalan  'g  an  dunadh, 

'S  a'  bhriogais  air  a  dubladh, 

Mu  chulthaobh  a  h-uile  fir. 

'Se  Deorsa  rinn  an  eucoir, 

'S  ro  dhiumbach  tha  mi  fein  dheth, 

O'n  thug  e  dhinn  ar-n  eideadh, 

'S  gach  eudach  a  bhuineadh  dhuinn. 


16 


Bha  teanga  gheur  aig  Rob  Donn  agus  thug 
an  t-achd  ud  cothrom  dha  fochaid  bheag  lagh- 
ach  a  dheanamh  air  cuid  d'a  choimhearsnaich  a 
bha  mach  an  aghaidh  a'  Phrionnsa.  Cha  robh 
taobh  sam  bith  aig  Rob  fein  ri  righ  Deorsa,  ged 
a  bha  muinntir  a  dhuthcha  air  a  thaobh.  Cha 
'n  'eil  teagamh  nach  biodh  connsachadh  eadar 
iad  fhein  's  am  bard  mu  chuisean  na  rioghachd, 
ach  an  uair  a  bha  na  fineachan  Gaidhealach  air 
an  sgapadh  aig  Ciul-fhodair,  bha  an  argumaid 
an  aghaidh  Rob.  Ach  ma  bha,  cha  b'  fhada  gus 
an  d'  fhuair  e  cothrom  feala-dha  a  dheanamh 
orra  ann  an  Oran  naji  casagan  dubka,  mar  a  bu 
mhaith  a  b'  aithne  dha  a  dheanamh.  Anns  an 
oran  sin,  cha  'n  'eil  Rob  Donn  a'  leigeil  air  gu'n 
robh  e  toihchte  mar  a  dh'  eirich  dhaibhsan  a 
sheas  air  taobh  an  righ.  Ach  faodar  a  thuigsinn 
nach  do  mhi-chord  an  rud  ris  uile  gu  leir,  's  nach 
bu  mhisd  leis  aobhar  fhaotainn  air  Ian  an  duirn 
de  mhin  pheasrach  a  chur  ann  an  craos  feadh- 
nach  a  bha  glaodhach  ro  ard  air  taobh  Dheorsa. 
Anns  an  oran  so,  cba  'n  'eil  e  fein  a'  glaodhach 
cho  ard  agus  is  bitheanta  leis  na  baird  a  dhean- 
amh, an  uair  a  theannas  iad  li  aoir  ;  ach  tha  na 
briathran  ciuin  a  tha  e  cleachdadh,  's  an  guth 
iosal  anns  a  bheil  e  a'  labbairt  a'  deanamh  an 
orain  seachd  uairean  na's  sgaitiche  's  na's  cuims- 
iche  na  bhiodh  e  air  dhoigh  eile.  Tha  e  leigeil 
air  gu  bheil  e  anabarrach  duilich  air  son  na 
feadhnach  a  bha  dileas  do'n  chrun,  ach  d'am  b' 
fheudar  a'  bhriogais  a  chur  suas  cho  mhaith  ris 
na  reubalaich.  Shaoil  iad  gu'm  faigheadh  iad 
baigh  o'n  righ  agus  saorsa  d'  an  duthaich,  ach 
mo  thruaighe  !  rinn  Deorsa  spors  air  a  dhilsean, 
's  an  aite  saorsa,   thug  e  dhaibh  casagan  dubha. 

Ged  a  bha  sibh  cho  rioghail, 
Chaidh  'ur  cisean  am  mothad  ; 
'S  maith  an  airidh  gu'm  faicte. 
Dream  cho  tais  ribh  a'  cumhadh, 
Bhi  tilgeil  dhibh  'ur  cuid  bhreacan 
'S  a'  gabhail  chasagan  dubha. 

Am  measg  nam  bard  eile  a  ghleus  an  cruit 
chiuil  chum  am  feileadh  beag  a  mholadh,  's  a' 
bhriogais  a  dhi-moladh,  tha  Mac  a  Phearsoin, 
Fear  Srath  Mhaisidh,  Coinneach  Mac  Coinnich, 
agus  Uilleam  Ros.  Cha  ruigear  a  leas  tarruing 
a  thoirt  air  rannan  Mhic  a  Phearsoin,  ach  faodar 
innseadh  ciod  a  thuirt  Uilleam  Ros  an  uair  a 
fhuair  Marcus  nan  Greumach  an  t-achd  tamailt- 
eachd  ud  a  chur  as  an  rathad. 

Is  latha  sealbbach,  rathail,  dealrach, 

Alail,  ainmeil,  agh-mhor, 

A  dh'  fhuasgail  air  na  h-Albannaich, 

Bho  mhachraichean  gu  garbhlaichean 

Bho  uisge  Thuaid  gu  Arcamh  chuain, 

Bho  dheas  gu  tuath  gu  leir; 

Is  binne  'n  srann  feadh  shrath  is  ghleann 

Na  organ  gun  mheang  gleus. 


Thainig  fasan  anns  an  achd 

A  dh'  orduich  paillt  am  feileadh, 

Tha  eiridh  air  na  breacanan, 

Le  farum  treun  neo4apanach  ; 

Bidh  bighean  thapaidh  sniomh  's  a'  dath 

Gu  h  eibhinn,  ait,  le  h-uaill, 

Gach  aon  dhiu  'g  eideadh  a  gaoil  fein. 

Mar  's  reidh  leo  anns  gach  uair. 

Sheinn  Donnacha  Ban  cuideachd  cliu  a'  Mhar- 
cuis  a  sheas  taobh  nan  Gaidheal,  agus  a  thagair 
ceartas  dhaibh  anns  a'  Pharlamaid,  gus  antugadh 
dhaibh  cead  an  seann  eideadh  a  chur  suas  a  ris. 
Tha  e  'g  radh^ 

Deich  bliadhna  fichead  is  cbrr, 

Bha  casag  de'n  chl6  m'  ar  druim, 

Fhuair  sinn  ad  agus  cleoc, 

Ach  cha  bhuineadh  an  seors  ud  dhuinn, 

Bucail  a'  dunadh  ar  brbg, 

'S  e  'm  barr-iall  bu  bhoidhcbe  leinn  ; 

Rinn  an  droch  fhasan  a  bh'  oirnn 

Na  bodaich  d'  ar  n-oigridh  ghrinn. 

Fhuair  sinn  cothrom  an  diasd 
A  thoilicheas  gradh  gach  duthch', 
Comas  ar  culaidh  chur  oirnn. 
Gun  fharraid  do  phor  nan  lub, 
Tha  sinn  a  nis  mar  is  coir. 
Is  taitnidh  an  seol  r'  ar  suil, 
Chuir  sinn  a'  bhriogais  air  lar, 
'S  cha  tig  i  gu  brath  a  cuil. 

Bha  e  ro  anmoch.  Lean  na  Gaidheal  ris  a' 
bhriogais  a  dh'  aindeoin  di-moladh  nam  bard,, 
agus  na'n  deanadh  ablach  baird  an  diugh  aoir 
do  'n  fheileadb,  cha  rachainn  an  urras  nach 
faigheadh  e  duals  aig  a'  Mhbd. 


AN    T-OL. 


An  uiridh,  dh'  bl  an  rioghachd  so  fiach 
_;£i6i  062,482  de  dheoch  laidir.  Bheireadh  sin 
mu  thuaiream  tri  puinnd  's  a  dha  dheug  do  gach 
duine  anns  an  duthaich,  ach  an  uair  a  chuirear 
as  an  rathad  na  feadhainn  nach  blais  idir,  agus 
mnathan  is  clann  nach  ruigear  a  leas  a  chunntas, 
faodar  a  radh  gu  bheil  fir  na  duthcha  so  ag  bl 
deich  puinnd  Shasunnach  's  a'  bhliadhna.  Cha 
'n  'eil  teagamh  nach  'eil  na  stuthannan  riomhach 
a  bhios  na  h-uaislean  ag  61  a'  cur  suas  na 
cunntais,  ach  tha  e  air  a  radh  leosan  a  sheall  gu 
curamach  air  a'  ghnothuch  gu  bheil  luchd  obair 
na  rioghachd  ag  61  fiach  criiin,  am  fear,  a  h-uile 
seachduinn  d'  am  beatha.  Mu  choinneamh  a 
h-uile  sgilinn  a  thatar  a'  cosg  air  sgolean,  thatar 
a'  cur  tasdain  anns  an  61. 


-3 
1 

11 


f 


Air.  S. 


1910. 


CRIOSD    IS    BAN-GHREUGACH. 


Cha  'n  'eil  e  ioinchiiidh  aran  na  cloinne  a  ghahhail 
agus  a  thilgeadh  chum  nan  con. — Marc  vii,  27. 

AiG  an  am  anns  an  do  thachair  an  ni  air  a  bheil 
iomradh  againn  anns  na  briathran  so,  bba  a 
luchd  duthcha  air  togail  an  aghaidh  Chriosd. 
An  uair  a  chunnaic  iad  nach  gabhadh  e  an 
comhairle,  's  nach  cuireadh  e  air  cbois  rioghachd 
Dhe  anns  an  doigh  anns  am  bu  mhaith  leosan, 
thionndaidii  iad  air  cho  guineach  's  gu'n  robh  a 
bheatha  an  cunnart.  Chuir  e  roimhe,  uime  sin, 
Galile  fhagail  agus  dol  do  chearn  air  chor-eigin 
far  nach  biodh  fios  co  e,  agus  far  am  faigheadh 
e  cothroni  air  fois  fhaotainn  car  greis.  Chunn- 
aic e  niich  robh  feum  sam  bith  dha  a  bhi 
bruidiiinn  riu  aig  an  am,  agus  gu'm  b'  fhearr 
dha  lamh  a  thoirt  air  an  da  fhear  dheug  a 
theagasg,  gus  am  fuaraicheadh  a  hichd  duthcha 
's  an  tigeadh  iad  thucadh  fein  a  ris. 

B'e  an  t-aite  air  an  do  chuir  e  fein  'sa  dheis- 
ciobuil  an  aghaidh,  baile  beag  an  taobh  a  mach 
de  chriochan  GhaUie  anns  an  aird  an  iar  thuath, 
far  nach  do  rainig  eolas  Dhe  an  sluagh  's  far  an 
robh  iad  ag  aoradli  do  iodhalan.  Ach  cha 
luaithe  chuir  iad  cas  anns  a'  bhaile  no  chaidh 
fuaim  an  teachd  air  feadh  an  t-sluaigh,  agus 
thainig  bean  a  dh'  ionnsuidh  Chriosd  a'  guidhe 
air  a  nighean  anns  an  robh  spiorad  neo-ghlan  a 
shlanachadh.  Faodar  a  thuigsinn,  o'n  doigh  anns 
a  bheil  an  soisgeulaiche  Marc  ag  innseadh  na 
naigheachd  so,  gu'n  do  chuir  a  fhreagairt  a  thug 
Criosd  do'n  mhnaoi  iongantas  nach  bu  bheag 
air.  Tha  e  cur  iongantais  air  daoine  gus  an 
latha  diugh,  oir  tha  na  briathran  a  labhair  Criosd 
€u-coltach  ri  sheanchas  am  bitheaiitas. 

Bha  e  nadurra  gu  leor  gu'n  tigeadh  a'  bhan- 
Ghreugach  a  dh'  ionnsuidh  an  t-Slanuigheir. 
Cha  ruigear  a  leas  a  shaoilsinn  gu'n  robh  eolas 
spioradail  aice  nach  robh  aig  a  coimhearsnaich 
no  gu  'n  robh  creidimh  aice  ann  an  Criosd 
anns  an  t-seadh  anns  a  bheil  am  facal  air 
a  chleachdadh  am  measg  chreidmheach  an 
diugh.  Cha 'n 'eil  teagamh  nach  cual  i  iomradh 
air  na  miorbhuilean  a  bha  e  deanamh  ann  an 
Galile  's  nach  d'  thug  luchd  turuis  thuice  sgeul- 
achdan  fior  is  breugach  mu  na  daoine  a  leighis 
e.  Bha  iomaguin  oirre  mu  thimchioll  a  nighinn 
agus  direach  mar  a  dh'  fneuchas  sinn  uile  gach 
leigheas  is  lighiche  air  an  cluinn    sinn    deagh 


iomradh  m'an  toir  sinn  suas  ar  dochas,  chuir  i 
roimhpe  Criosd  fhiicinn  feuch  am  b'urrainn  e 
cobhair  a  dheanamh  oirre.  Bha  an  teachdair- 
eachd  air  an  do  rainig  a'  bhean  e  caomhal,  ach 
an  urrainn  sinn  a  radh  gu'n  robh  an  ftireagairt  a 
thug  esan  dhith  caomhal?  An  toiseach  cha  do 
fhreagair  e  idir,  ach  an  uair  a  ghuidh  's  a  ghuidh 
i  air  trocair  a  nochdadh  do  mhathair  'n  a  h-eigin, 
thuirt  e  rithe  gur  h  ann  gu  caora  chaillte  Israeli 
a  thainig  esan.  Cha  do  chuir  eadhoin  na  briath- 
ran sin  air  falbh  i ;  lean  i  e  fein  's  a  dheisciobuil 
a  steach  do'n  tigh  agus  ghuidh  i  air  le  deoir  a 
nighean  a  shlanachadh.  An  sin  thionndaidh  e 
agus  thuirt  e  rithe  nach  robh  e  iomchuidh  aran 
na  cloinne  a  ghabhail  agus  a  thoirt  do  na  coin. 
An  aite  fearg  a  ghabhail  no  a  misneach  a  chall, 
rug  i  air  an  fhacal  shearbh  mar  gu'm  bu  ghreim 
mills  e.  Is  fior  su^  a  Thighearna,  gidheadh  itliidh 
na  coin  fo  ' n  bhord  de  sbruileach  na  cloinne. 
Nach  bu  ghleusd  a  fhreagair  i  e,  arsa  Luther, 
ghlac  i'Criosd  ann  an  ribe  a  bhriaihran  fein. 

Nan  do  chuir  Marc  na  briathran  so  am  beul 
sgriobhaiche  eruaidh  -  chridheach,  theireamaid 
nach  ruigteadh  leas  fiuthair  a  bhi  ris  a'  chbrr, 
ach  their  sinn  gu  bheil  iad  anabarrach  iongantach 
am  beul  neach  a  bha  cho  caomhal  is  truacanta 
ri  Criosd.  Cha  do  ghoirtich  esan  duine  riamh, 
's  cha  d'  thug  e  droch  fhreagairt  air  an  neach  a 
bu  diblidhe  a  thainig  'ga  ionnsuidh,  oir  cha 
b'  ann  a  dhiteadh  dhaoin  a  thninig  e  ach  'gan 
tearnadh.  Ciod,  ma  ta,  a  bha  e  ciallachadh 
leis  an  fhacal  ud? 

Their  cuid  nach  b'  ann  a  dheanamh  mhior- 
bhuilean  a  chaidh  e  do'n  bhail  ud  ach  a  leigeil  a 
sgios,  agus  nach  robh  e  air  son  rud  sam  bith  a 
dheanamh  leis  am  faigheadh  ati  sluagh  a  mach 
CO  e,  agus  am  faigheadh  a  naimhdean  a  mach 
c'  ait  an  robh  e  am  folach.  Cha  'n  'eil  teagamh 
nach  'eil  sin  fior ;  bha  feum  aig  air  fois  agus 
samchair  aig  an  am,  agus  cha  bu  mhaith  leis 
gu'm  biodh  ainm  's  a  dhreuchd  am  beul  an 
t-sluaigh.  Ach  aig  a'  cheart  am,  cha  ghabh  sin 
lethsgeul  nam  briathran,  ma  labhair  e  iad.  Dh' 
fhaodadh  e  am  boiriounach  a  dhiultadh  gun  a 
goirteachadh. 

Their  cuid  eile  gu'n  do  labhair  e  air  an 
doigh  ud  a  chionn  nach  ann  ris  na  cinnich 
ach  ris  na  h-Iudhaich  a  bha  ghnothuch. 
Chuireadh  mise  gu  caora  chaillte  Israeli.  B'e 
toil  Dhe  eolas  na  firinn  a  thoirt  do  shluagh 
Israeli  an  toiseach  a  chionn  gu'n  robh  iad  deas 


air  son  an  eolais  sin  mar  nach  robh  each,  agus 
an  deigh  laimhe  abstoil  a  thogail  suas  a  measg 
nan  ludhach  a  chraobh-sgaoileadh  an  soisgeul 
gu  duthchannan  eile.  B'e  sin  toil  Dhe,  agus  am 
feadh  's  a  bha  Criosd  air  thalamh  bha  e  umhal 
do  thoil  Athar  agus  rinn  e  an  obair  a  thug  Athair 
dha  ri  dheanarah  anns  an  doigh  anns  an  d' 
orduich  Athair  dha.  Chuir  e  seachad  laithean 
a  bheatha  am  measg  nan  ludhach,  ged  a  rinn  e 
trocair  uair  no  dha  air  feadhainn  nach  buineadh 
do  chomhcheangal  a'  gheallaidh.  Tha  e  furasd 
a  thuigsinn  carson  nach  bu  mhaith  leis  miorbh- 
uilean  is  comharraidhean  a  dheanamh  am  measg 
sluaigh  a  bha  'n  taobh  a  mach  do  chriochan  nan 
ludhach,  agus  ged  a  dhiultadh  e  eisdeachd  ri 
urnuigli  na  mnatha,  cha  b'urrainn  sinn  a  radh 
gu'n  do  nochd  e  cruas  cridhe  no  neo  chaomhal- 
achd.  Is  a  an  rud  a  tha  iongantach  gu'n  labh- 
radh  e  cho  suarach's  cho  fuar  ri  mathair  bhochd 
aig  an  robh  cridhe  goirt.  An  do  rinn  e  sin 
da-rireadh  ?  Tha  sinn  an  duil  nach  do  rinn 
agus  nach  robh  a  chainni  idir  cho  neo  chaomhal 
's  a  shaoilear. 

Tha  moran  sgoilearan  am  beachd  nach  robh 
anns  an  fhacal  a  thubhairt  e  ach  sean-fhacal  a 
bha  cumanta  's  an  duthaich,  agus  nach  robh 
Criosd  a'  ciallachadh  a'  bhean  no  a  luchd  duth- 
cha  a  choimeas  ri  coin,  ged  a  thuit  dha  an  sean- 
fhacal  a  cleachdadh.  Chuir  am  beachd  maith 
a  bh'  aig  a'  mhnaoi  air  feir,  ged  bu  choigreach 
e,  ioghnadh  air,  agus  los  dearbhadh  beag  a  chur 
oirre,  thuirt  e  rithe  an  sean-fhacal  ud  gu  reidh 
caoimhneil,  mar  gu'n  abradh  e — Cha  'n  aithne 
dhuit  mise  's  cha  'n  aithne  dhomh  thu  ;  innis 
dhomh  carson  a  bheirinn  do  choigreach  na 
tiodhlacan  a  bhuineas  do  mo  dhaoine  fain.  B' 
aithne  do  'n  bhoirionnach  an  sean-fhacal  gu 
maith  agus  fhreagair  i  e  le  fear  eile,  mar  gu'n 
abradh  i — Tha  a  leithid  sin  de  dh'  fhacal  ann  gun 
teagamh,  ach  tha  sean-fhacal  eile  fann  a  tha  g' 
radh  gu'm  faod  eadhoin  na  coin  an  sbruileach 
itheadh.  Feu  mar  na  saan  fhacail  daonnan  a 
thuigsinn  a  reir  an  spioraid  anns  a  bheil  iad  air 
an  cleachdadh,  agus  an  doigh  anns  a  bheil  iad 
air  an  labhairt.  Ma  labhair  Criosd  an  sean 
fhacal  ud  le  fiamh  gaire  air  aodann — agus  tha 
sinn  an  duil  gur  h-ann  mar  sin  a  bha — thuigeadh 
a'  bhan-Ghreugach  gu  maith  nach  robh  e  ciall- 
achadh a  diultadh  agus  nach  robh  neo-chaomh- 
alachd  sam  bith  'na  chridhe.  Tha  e  duilich 
sean-fhacal  a  thionndadh  o  aon  chainnt  gu 
cainnt  eile,  agus  is  docha  nach  robh  am  facal 
idir  cho  maol  anns  a' chainnt  anns  an  do  labhair 
Criosd  a  's  a  tha  e  ann  an  Gaidhlig.  Is  e  tha  so 
uile  a'  ciallachadh,  nach  ruigaar  a  leas  a  bhi  cur 
as  leth  Chriosd  gu'n  do  bhruidhinn  a  gu  suarach 
ri  boirionnach  a  bha  'na  h  eigin,  no  gu  'n  do 
ghoirtich  e  i,  an  uair  a  bha  feum  aice  air  caomh- 
alachd  is  comhfhurtachd.  Cha  b'  ann  a  dhean- 
amh magaidh  air  a  bhraithrean  a  thainig  e  ach 
'g  an  leigheas. 


I.  Tha  beannachdan  spioradail  a'  laantuinn 
freasdal  searbh.  Tha  na  neoil  is  duirche  Ian  de 
thocair  chaoimh  an  Tighearna,  agus  air  cul 
freasdailean  a  chuireas  eagal  is  crith  air  a  shluagh 
tha  riiintean  caoimhneil  an  Athar.  Tha  searbh- 
adas  is  milseachd  gu  trie  anns  an  aon  ghucaig. 
Tha  an  Tighearna  ceart  'na  uile  shlighean  agus 
naomh  'na  uile  ghniomharan.  Cha  'n  ann  gun 
aobhar  no  air  ghaol  an  saruchadh  a  smachd- 
aicheas  e  a  chlann.  Tha  e  grasmhor  agus 
truacanta,  agus  tha  a  chaomh  throcairean  os 
cionn  nan  uile  dhaoine.  Leighsidh  e  iadsan  aig 
am  bheil  cridhe  briste,  agus  ceanglaidh  e  suas  an 
leonta.  B'e  an  trioblaid  a  bha  'na  dachaidh  a 
thug  am  boirionnach  so  gu  Criosd.  Cha'n  fhac 
i  riamh  aghaidh  an  t-Slanuigheir,  mur  tigeadh 
tinneas  is  trioblaid  a  dh'  ionnsuidh  a  tighe ;  ach 
o'n  doimhneachd  ghlaodh  i  ris,  agus  fhuair  i  a 
mach  gu'm  b'  esan  da-rireadh  an  Tighearna  troc- 
aireach  is  caomhal.  Is  searmonaiche  druigh- 
teach  am  bron,  agus  glacaidh  a  aire  dhaoine 
nach  toir  geill  do  sheorsa  eile.  Tha  miltean  de 
spioradan  frithealaidh  aig  Dia  agus  is  e  bron  aon 
dhiu.  Tha  e  'na  mheadhon  air  daoine  thoirt  a 
mach  as  na  callaidean  neo-chinnteach  a  thogas 
iad  dhaibh  fein,  agus  an  toirt  gu  fasgadh  a  ghabh- 
ail  fo  sgaile  an  Uile-Chumhachdaich.  An  uair 
a  mheudaicheas  trioblaid  irioslachd,  agus  a 
thairngeas  i  buill  teaghlaich  ni's  dluithe  ri  cheile 
na  bha  iad  roimha,  tha  i  dhaibh  'na  h-aingeal 
beatha  an  aite  bhi  'na  cuis  eagail. 

II.  Is  c6ir  urnuigh  a  dheanamh  a  ghnath 
agus  gun  fhannachadh.  Le  bhriathran  agus  gu 
sonruichte  le  eiseimpleir  theagaisg  Criosd  sin  do 
na  deisciobuil.  Los  an  rud  a  dheargadh  air  clar 
an  cridhe  air  chor  's  nach  dichuimhnichaadh 
iad  a,  labhair  e  da  chosmhalachd  a  tha  la  cheile 
a'  teagasg  nach  fgithich  Dia  dhiubhsan  a  thig 
thuige  gu  trie  ann  an  urnuigh.  Cha  d'  fhuair 
a'  cheud  urnuigh  a  rinn  a'  bhean  so  eisdeachd, 
agus  nan  do  stad  i,  chailleadh  i  an  tiodhlac  mor 
a  fhuair  i  air  a'  cheann  mu  dhaireadh.  Cha 
ruigeadh  a  h-uireasbhuidh  leatba  bhi  'na  tosd, 
agus  ghuidh  is  ghuidh  i  gus  an  d'  fhuair  i  furt- 
achd.  Ma  tha  dian-iarrtus  draghail  le  daoine, 
cha  'n  'eil  e  draghail  le  Dia.  Cha  saruich  a 
shluagh  esan  le  bhi  eigheach  ris  a  la  agus  a  dh' 
oidhche.  Is  toigh  leis  iadsan  nach  fannaich  ann 
an  urnuigh,  agus  is  ann  dhaibh  a  dh'  fhosglas  e 
a  lamh  gu  fialaidh.  Cha  ghabh  creidmih  cumail 
beo  gun  urnuigh,  oir  is  a  ar  n-urnnighean  a  tha 
'gar  ceangal  ri  beatha  is  cumhachd  Dhe.  Tha 
urnuigh  do  spiorad  an  duine  mar  tha  an  t-adhar 
d'a  chorp.  Is  e  Dia  grian  an  anma  agus  ann  an 
urnuigh  tha  'n  t-anam  air  a  chur  an  teis-maadh- 
oin  solus  is  blalhs  na  greine.  Faodaidh  failinnean 
gu  leor  a  bhi  ceangailta  ri  creidmhich — agus 
bidh  failinnean  annta  gus  an  tilg  iad  an  deo — 
ach  cho  fad  's  a  leanas  iad  air  urnuigh,  cha  ruig 
iad   a  leas   eagal  a   bhi   orra  gu'n  do  bhasaich 


19 


spiorad  na  diadhaidheachd  annta.  Theid  obair 
nan  gras  airaghaidh  annta  a  dh'aindeoin  iomadh 
failinii.  Ach  an  uair  a  tlioisicheas  daoine  air 
dearmad  a  dheanamh  air  urnuigh,  's  a  leigeas 
iad  laithean  is  seachduinnean  seachad  gun  an 
glun  a  lubadli  an  lathair  Dhe,  tha  iad  marbh  gu 
spioradail  ged  a  dli'  fhaodas  ainm  a  bhi  aca  gu 
bheil  iad  beo.  Tlia  spiorad  na  h-urnuigli  agus 
spiorad  na  diadhaidheachd  air  am  faotainn 
comhla  daonnan. 


CUAIRT    A'   MHINISTEIR    GHALLDA 


\Bha  an  sgeul  so  air  a  sgriobhadh  kh  an  OUaiiih 
Tormoid  Mac  Leoid  nach  maireann.\ 


Air  feasgar  latha  Sabaid,  deireadh  an  t-samh- 
raidh  a  chaidh  seachad,  thainig  duine  araidh  a 
dh'  ioiinsuidh  mo  thighe  a  dh'  iarr  facal  a 
iabhairt  rium  ann  am  sheomar  fain,  a  chionn 
gu'n  robh  ni-eigin  aige  ri  radh  nacli  bu  mhaith 
leis  neach  eile  'g  a  chluinntinn.  Thug  mi  steach 
e  agus  dh'  fheoraich  mi  dhelh  ciod  a  bha  aige  ri 
chantainn. 

Is  duilich  lean),  ars'  esan,  dragh  a  chur  oirbh 
air  an  fheasgar  so,  an  deigh  saothair  an  latha, 
ach  is  e  an  eigin  a  chuir  mi  d'  ur  n-ionnsuidh, 
agus  uime  sin  tha  dochas  agam  gu'n  toir  sibh 
maitheanas  dhomh.  Tlia  mo  choimhearsnach 
truagh,  Seumas,  do  reir  coslais  air  leabaidh  a 
bhais,  agus  cha'n  fhoghnadh  leis  gun  fios  a  chur 
oirbh,  ged  is  iomadh  la  a  rinn  e  tair  oirbh  agus 
a  dhiult  e  'ur  n-eisdeachd. 

Rinn  thusa,  deir  mi,  mar  bu  choir  dhuit, 
tighinn,  agus  da-rireadh  is  e  an  eigin  a  chumadh 
raise  air  m'  ais  o  dhol  'g  a  fhaicinn.  Cha  dean 
mi  moille  sam  bith  :  gabh  thus'  air  d'  ais  agus 
innis  dha  gu  bheil  mi  air  mo  cheum  'ad  dheigh. 
Dearmadach  mar  tha  Seumas  truagh,  agus 
seachantach  air  orduighean  an  t-soisgeil,  co  is 
urrainn  a  radh  ciod  a  tha'm  beachd  anTighearna 
ni'a  thimchioll.  Is  maith  an  comharradh  e  bhi 
iarradach  air  m'  fhaicinn  ;  gu'n  deonaicheadh 
Dia  dhuinn  aobhar  dochais  as  a  leth. 

Bu  duine  Seumas  aig  an  robh  moraii  de 
thuigse  agus  de  chiall  nadurra,  duine  tapaidh  an 
gnothuichibh  duihcha,  ach  bha  e  a'  chuid  bu  mho 
d'a  laithean  toigheach  air  deoch  agus  air  ruidh- 
teireachd  ;  chinn  e  dearmadach  air  uile  mheadh- 
onan  nan  gras  ;  sheachain  e  tigh-aoraidh  Dhe, 
agus  tharruing  e  an  companas  ri  daoine  gbrach, 
ain-diadhaidh  mar  e  fein.  'Se  deoch  is  amaid- 
eachd  a  thug  galair  a'  bhais  'na  charamh,  agus  an 
uair  a  chaidh  mise  stigh  do'n  t-seomar  's  an  robh 
e  'na  luidhe,  bu  deistinneach  r'a  fhaicinn  an 
coslas  truagh  a  bha  air — bha  eagal,  amharus, 
brbn,  tliobhail  misnich  agus  uamhas  mor  air  an 
deargadh  gu  domhain  'n  a  shuil  agus  'n  a  aogas 


gu  leir.  Bha  e  caithte  gu  neo-ni,  agus  cha  'n 
fhaca  mi,  ar  ieam,  riamh  aon  duine  bu  mho  a 
b'  aobhar  truais  na  e,  ged  a  bha  e  soilleir  gu'm 
b'ann  air  'inniinn  's  nach  b'  ann  air  a  cholluinn 
a  bha  chuid  a  bu  mh6  d'a  thrioblaid.  Shocruich 
e  shuil  orm  cho  luath  's  a  chaidh  mi  stigh  agus 
dh'  fheuch  e  r'a  laimh  a  shineadh  a  mach. 

Shuidh  mi  ri  taobh  na  leapadh  is  thuirt  mi  ris: 
Is  duilich  Ieam  d'  fhaicinn  's  a'  chor  so  ;  cha 
chuala  mi  gu'n  robh  ni  air  bith  a'  cur  ort  gus  an 
do  rainig  do  charaid  mi  air  an  fheasgar  so, 
ach  tha  dochas  agam  gu  'n  sin  Dia  do  laithean 
fhathast  gu  aobhar  a  bhi  agad  a  mhaitheas 
aideachadh  le  taingealachd. 

Ghluais  e  a  cheann,  dhruid  e  a  shuilean,  agus 
tharruing  e  osna  throm,  mar  gu'm  biodh  e  as> 
eugmhais  dochais 

Ciod,  a  deir  mise,  a  tha  'n  leigh  a  tha  frith- 
ealadh  ort  ag  radh  ?     Ciod  i  a  bharail  ort  ? 

Cha  'n  'eil  dochas  sam  bith  aige,  ars'  esan,  r'a 
thoirt  dhomh  :  tha  e  'g  radh  nach  'eil  e  'na 
chomas  a'  bheag  no  mhor  a  dheanamh  air  mo 
shon. 

An  ann  mar  sin  a  tha,  deir  mise,  le  cainnt 
stolda,  ach  an  ni  a  tha  eu-comasach  do  dhuine 
tha  e  soirbh  do  Dhia.  Is  mi  a  dh'  fhaodadh  a 
radh,  oir  is  minic  a  chunnaic  mi  iadsan  a  thug 
leigh  saoghalta  thairis  a  tighinn  uaith,  ach  ciod 
do  bharail  fein  ?  Dh'  amhairc  e  'am  aodann  le 
sealladh  a  chuir  oillt  air  mo  chridhe.  Is  duine 
marbh  mi,  ars'  esan,  agus  's  i  chuis  a's  miosa,  is 
duine  caillte  mi.  Air  d' athais,  a  deir  mise,  nar 
leigeadh  Dia,  na  labhair  air  an  doigh  sin. 

Thaislich  so  e  ;  labhair  mi  ris  gu  foil  leis  a' 
chainnt  a  bu  chaomaile  agus  a  bu  chairdeile  a  b* 
urrainn  don)h  a  chleachdadh,  a'  cur  an  ceill  an 
doilgheadais  mhoir  a  bha  orm  rach  robh  fios 
agam  na  bu  traithe  mar  bha  e,  agus  a'  gearan 
nach  do  leig  iad  fios  domh. 

Mata,  ars'  esan,  b'esin  mo  mhiann-sa  ach  bha 
nair'  orm  ;  chuir  mi  dail  an-",  an  sin  a  dheanamh 
mar  chuir  mi  dail  anns  ga^n  ni  eile,  agus  chuirinn 
dail  ann  a  chaoidh  mur  biodh  am  has  air  teachd 
'am  rathad — ach  thainig  esan  agus  thainig  soill- 
eireachadh  an  uamhais  'na  chois.  Dh'  fhairtlich 
orm  a  bhi  samhach  na  b'  fhaide,  ach  b'fhearr 
Ieam  gu'n  do  chuir  mi  fios  oirbh  na  bu  traithe — 
thaenis  tuilleadh  isanmoch,  chaill  mi  mo  lalha, 
chaill  mi  mo  chothrom.  O,  is  duine  caillte  mi, 
tha  fios  agam  gur  h-ann  mar  so  a  tha. 

Tha  dochas  agam,  a  deir  mise,  gur  ann  a 
thainig  atharrachadh  mor  air  d'  inntinn.  Dhuisg 
Dia  thu  chum  do  chunnart  fhaicinn  agus  esan  a 
thoisich  air  an  deigh  obair,  nach  faod  e,  ann  an 
saoibhreas  a  throcair,  a  toirtaira  h-aghaidh  ceum 
air  cheum  chum  foirfeachd. 

Cha  toir,  cha  toir,  a  deir  e.  Dochas  cha'n'eil 
agam,  pheacaich  mi  thar  saorsa  agus  cha'n'eil 
cionta  nach  do  rinn  mi.  Dochas  agamsa  !  ars' 
esan,  le   buaireas  uamhasach  spioraid,   agus  le 


20 


osnadh  a  shaoil  leam  a  sgaineadh  a  chridhe. 
Dh'  amhairc  e  orm  's  an  aodann,  agus  mar  a  bha 
mi  dol  a  labhairt,  thainig  boirionnach  a  bha 
stigh  dluth  air  an  leabaidh,  le  soiie  beag  as  an 
do  thairg  i  deoch  dha. 

Carson,  ars'  ise,  a  tha  thu  labhairt  mar  sin. 
Cha  'n  'eil  thu  cho  dona  's  a  tha  thu  a'  leigeadh 
ort ;  tha  na  railtean  mu  'n  cuairt  duit  na  's 
miosa.  Is  ann  duit  fein  a  bha  do  lochd — carson 
a  labhradh  tu  's  an  doigh  sin. 

Smeid  e  gu  grad  le  'laimh  i  blii  samhach. 
Nach  cuist  thu,  ars'  esan,  is  m6  a's  fada  b'e  sin 
mo  bharail  fein  ach  O  !  's  ann  air  m'  anam 
bochd-sa  thainig  an  t-soilleireachd  eagalach. 

Is  g5rach  a  bhean,  a  deir  raise,  do  chainnt ; 
cha  ghniomh  cairdeil  a  tha  thu  deanamh,  labh- 
airt mar  so  ris  ;  do  reir  coslais  tha  beachd  a's 
fearr  aige  air  cor  anma  an  lathair  Dhe  na  tha 
agad-sa.  Ciod  e  dha-san  ged  bhiodh  na  miltean 
na  bu  mhiosa  na  esan,  an  seasadh  sin  a  lethsgeul- 
san?  Bheirear  breith  air-san  air  son  a  dheanadais 
fein  agus  ni  h-ann  air  son  deanadais  muinntir 
eile.  Tha  thu  'g  radh  nach  'eil  Seumas  idir  cho 
peacach  's  a  tha  e  am  barail.  Gu  truagh  tha  sinn 
uile  na  's  peacaiche  ann  am  fianuis  an  De  uile- 
naoimh  no  ga'm  faodadh  e  amharc  oirnn  ach  le 
dubh-ghrain.  Bho  cheaitas  Dhe  tha  sinn  uile 
'toiltinn  sgrios  siorruidh,  agus  gun  teagamh  b'e 
so  a  thigeadh  air-san  mur  biodh  an  Tighearn 
losa  air  eiric  cho  luachmhor  a  thoirt  air  ar  son, 
le  basachadh  chum  ceartas  Dhe  a  riarachadh 
agus  reite  a  chosnadh. 

An  uair  a  chual  an  duine  tinn  iomradh  air 
ainm  an  t  Slanuigheir,  ghlaodh  e  mach  le  le  di- 
dochais  agus  le  guth  buaireasach — Cha  'n  'eil  an 
Slanuighear  dhomh-sa  ! 

Cha  'n  'eil  e  comasach  innseadh  an  doigh  air 
an  do  labhair  e  na  briathran  sin.  Bha  neul  tiugh 
agus  dorcha  ead;ir  e  agus  trocair  Dhe  ann  an 
Criosd,  cha  buleir  dha  Dia  ach  ann  an  corruich. 
Cha  robh  deur  air  a  shuil,  cha  d'  thainig  tais- 
eachadh  no  maothachadh  air  a  chridhe.  Bha  e 
mar  dhuine  a  bha  Ian  dearbhta  'na  inntinn  fein 
nach  robh  dochas  aige.  Chuir  so  oillt  orm  agus 
is  gann  a  bha  fios  agam  ciod  a  bu  choir  dhomh 
a  radh. 

Ma  tha  thu  creidsinn,  arsa  raise,  ann  an  losa 
Criosd,  is  eigin  duit  a  chreidsinn  gu  bheil  e 
comasach  chum  tearnadh.  Tha  mi  'ga  chreidsinn 
sin,  ars'  esan.  Agus  an  e  nach  'eil  e  comasach, 
deir  mise,  air  thusa  thearnadh  cho  mhaith  ri 
duine  eile  ?  Bu  dimeas  air  a  ghras  's  air  a  ghloir 
a  smaointeachadh  gu  bheil  a  chumhachd-san 
neo-chomasach  air  a'  pheacach  a's  mb  air  aghaidh 
an  t  saoghail  a  thearnadh.  Bha  e  'n  a  thosd  car 
tamuill  ach  mu  dheireadh  fhreagair  e  gu  cabh- 
agach,  Tha  e  cumhachdach  ach  cha  'n  'eil  e 
toileach.  Tha,  deir  mise,  tha  e  Ian  thoileach  is 
tha  e  comasach.  Ach  leughaidh  mi  dhuit  an 
coigeamh  caibideal  deug  a  reir   Lucais,   chum 


gu  'm  faic  thu  an  solas  a  tha  air  neamh  ri 
iompachadh  aon  pheacach.  A  nail  dhomh,  a 
bhean,  am  BiobuU,  chum  gu'n  cluinneadh  e  cho 
toileach  's  a  tha  Dia  gu  gabhail  ris. 

Chunnaic  mi  gu'n  do  chuir  so  iomaguin  oirre 
ach  thoisich  i  raar  gu'm  biodh  i  'ga  iarraidh. 

Thog  an  duine  truagh  a  bha  's  an  leabaidh  a 
cheann  agus  thuirt  e — Dean  suidhe,  a  bhean, 
cha  'n  am  so  gu  ceilg  no  breug  ;  cha  'n  'eil 
Biobull  againn  's  an  tigh,  agus  ged  a  bhitheadh, 
cha  deanadh  gach  rann  dheth  ach  mo  dhiteadh. 
Chuir  mise  ciil  ris  a'  Bhiobull  ann  an  la  mo 
shlainte  agus  chuir  Dia  a  nis  ctil  rium-sa  air 
leabaidh  mo  bhais. 

Thug  mi  lamh  air  mo  Bhiobull  fein  agus  leugh 
mi  dha  a  chaibideal  a  dh'ainmich  mi.  Tharruing 
mi  a  smaointean  gu  caoirahneas  a'  Bhuachaille 
a  chaidh  air  toir  na  caorach  a  chailleadh,  's  a 
ghiulain  dachaidh  i  le  gairdeachas.  Druigheadh 
so,  arsa  raise,  air  do  chridhe-sa,  agus  bi  Ian 
chinnteach  gu  bheil  Dia  a'  feitheamh  gu  bhi 
grasmhor,  agus  gu  'n  toir  e  fainear  a'  cheud 
togradh  a  dhuisgeas  ann  ad  chridhe  gu  maith- 
eanas  fhaotainn. 

Bha  Seumas  bochd  'n  a  thosd  ach  bha  e 
soilleir  nach  robh  sith  fhathast  'n  a  inntinn. 
Cha  do  chuir  e  suas  aon  ghuidhe  ri  neamh  no 
aon  ghuth  air  son  maitheanais,  gidheadh  labhair 
mi  ris  fhathast  le  dochas.  Tha  thu  faicinn,  arsa 
mise,  gu  bheil  Dia  cho  deonach  's  a  tha  e 
comasach  air  gach  neach  a  thig  thuige  a  shaor- 
adh,  g'e  b'e  air  bith  co  e.  Ciod,  ma  ta,  a  chumas 
tusa  a  mach.  An  iad  do  pheacaidhean  ?  Ged 
robh  iad  dearg  mar  an  sgarlaid,  nithear  geal  mar 
an  sneachd  iad.  Glanaidh  fuil  Chriosd  o  gach 
peacadh. 

Cha  do  labhair  e  facal.  Nan  d'  iarr  e  orm 
urnuigh  a  chur  suas,  bhiodh  solas  orm.  Ach 
cha  robh  sin,  do  reir  coslais,  'n  a  bheachd.  Bu 
inhithich  dhomh-sa,  uime  sin,  mo  dhleasdanas 
fein  a  dheanamh  agus  so  a  chur  'n  a  chuimhne. 
Thuirt  mi  ris  leis  gach  baigh  is  caoimhneas  a  b' 
urrainn  dhomh  a  chleachdadh,  A  Sheumais, 
aontaich  leam  ann  an  urnuigh.  Leig  dhomh 
trocair  an  Tighearna  asluchadh  as  do  leth. 

An  deigh  dhomh  criochnachadh  mhothaich 
mi  gu'n  robh  na  deoir  air  a  shuilean  ach  cha  do 
labhair  e  facal.  Slan  leat  an  nochd,  arsa  mise, 
Dia  bhi  maille  riut 

Air  an  la  maireach  chaidh  mi  'g  amharc  agus 
bha  seanachas  eile  agam  ris.  Am  bheil  e  comas- 
ach, ars'  esan,  gu'n  gabhadh  Dia  ri  m'  leithid. 
Cha  'n  urrainn  domh  a  smaointeachadh,  gidh- 
eadh, O  mo  Dhia.  Thainig  reachd  'na  mhuineal, 
thuit  e  thairis,  agus  ann  an  uine  ghoirid  thug  e 
suas  an  deo. 

B'e  so  toil  an  Tighearna.  Co  dhiu  a  bha  no 
nach  robh  e,  an  am  a  bhais,  ann  an  reite  ri  Dia, 
cha  bhuin  e  dhuinn  a  radh.  Aon  ni  a  tha 
cinnteacli,   cha   d'  fhuair  e    bas    ann    an    sith. 


4 


-1 


.«£ 


Air   6. 


1910. 


AIR   A'    BHEINN. 


An  uair  a  bha  e  ri  urnuigh,  bha  dreach  a 
ghnuise  air  atharrachadh,  agus  rinn- 
eadh  'eudach  geal  agus  dealrach.  — 
Lucas  ix.  29. 

Ged  labhradh  na  deiseiobuil  le  teaugaibh 
nan  aingeal,  cha  b'  urrainii  dliaibh  innseadh 
g'u  ceart  do  dhaoiu  eile  mu'n  t-sealladh 
ghlormhor  a  ehunnaic  iad  air  beinn  Her- 
mon.  Tliogadh  suas  iad  gu  Parras,  agus 
cliunnaic  iad  le'u  suilean  corp  feola  Chriosd 
a'  dealrachadh  le  solus  nach  facas  riamh  air 
muir  no  tir,  agus  cliual  iad  le  'n  cluasan 
comhradh  mu  nithean  diomhair  eadar  an 
Slanuighear  is  spioradan  dhaoine  naomli  a 
bha  clieana  air  an  deanamh  foirfe.  Ged 
nach  do  Ian  tliuig  iad  aig  an  am  ciod  a  bha 
.an  taisbeauadh  ud  a'  eiallachadh,  dh'  fhair- 
ich  iad  gu'n  d'  fhuair  iad  aon  phlathadh 
de  ghloir  nan  neamh,  agus  roimh-bhlas  de 
dh'  aoibhneas  an  Tigliearna.  Cha  do  leig 
iad  as  an  cuimhne  gu  brath  ro-mheud  nan 
taisbean  a  fhuair  iad  air  beinn  Hermon, 
agus  an  viair  a  bha  Peadar  'na  sheann 
duine  b'  abhaist  dha  a  bhi  labhairt  le  iogh- 
nadh  mor  air  a'  ghloir  a  cliunnaic  e  air 
a'  bheinn. 

Tha  na  tri  soisgeulaichean — Mata,  Marc, 
is  Lucas — a'  toirt  cunntais  air  an  t-sealladli 
a  ehunnaic  na  deiseiobuil,  agus  tha  gacli 
aon  dhiubh  ag  innseadh  na  naigheachd  'na 
dhoigh  fein.  Is  e  Mata  an  aon  fhear  a  tha 
'g  radh  gu'n  do  thuit  iad  air  an  aghaidli 
air  an  talamh  an  uair  a  cliual  iad  guth 
.as  na  neamhan,  agus  gu'n  do  bhean  losa 
riu  ag  radh,  Eiribli  agus  na  biodli  eagal 
oirbh.  Tha  Marc  ag  radh  gu'n  do  rinneadli 
eudach  an  t-Slanuigheir  dealrach,  ro  gheal 
mar  an  sneachd,  air  nihodh  nach  robh  e'n 
comas  do  ghlanadair-eudaich  air  talamh  a 
ghealachadh.  Is  e  Lucas  a  dh'  inuis  gur 
li-ann  chum  urnuigh  a  dheauamh  a  cliaidh 
losa  do'n  bheinn,  agus  gur  li-ann  an  uair 
a  bha.e  ri  urnuigh,  a  bha  dreach  a  ghnuise 
air  atharrachadh,  agus  a  riuneadh  'eudach 
geal  agus  dealrach.  Is  e  Lucas  cuideachd 
a  tha  'g  innseadh  gur  h-ann  mu  bhas 
Chriosd  a  labhair  Maois  is  Eliali,  agus 
gu'n  robh  na  deiseiobuil  'nan  cadal,  co-dhiu 
pairt  de'n  uine. 


Ciod  a  bha  an  sealladh  ud  a  eiallachadh  i* 
Cha'n'eil  e  furasd  a  radii.  Clia'n  aithne 
dhuinn  acli  ann  an  cuid,  agus  a  thaobh 
inntinn  is  eridli  an  t-Slauuigheir  aig  aon 
de  na  h-amannan  a  bu  slioluimte  'na 
bheatha,  feuniaidh  eadhoin  daoine  glic  is 
naonih  aideachadh  nach  'eil  an  eolas  ach 
beag.  Ach  faodaidh  sinn  smuaineacliadh 
air,  le  irioslachd  is  urram,  an  dochas  gu'ni 
fairieh  sinn,  eadhoin  ann  an  tomhas  beag, 
oirdlieireeas  nan  nithean  air  a  bheil  na 
soisgeulaichean  a'  deanamh  iomraidh.  Cha 
do  Ian  thuig  na  deiseiobuil  fein  brigli  an 
fhiosrachaidh  ud,  ach  ged  nach  do  thuig, 
thuirt  iad  gu'm  bu  mhaith  dhaibh  gu'n 
robh  iad  air  a'  bheinn  agus  cha'n  iarradh 
iad  an  t-aite  fhagail.  Tha  e  maith  do 
dhaoine  an  smuaintean  a  shooruehadh  air 
nithean  ard  is  domhain,  ged  nach  tomhais 
iad   an  airde   no   an   doimhneachd. 

Tha  cuid  am  beachd  nach  robh  anus 
an  t-sealladh  ud  acli  comharra  follaiseach 
a  thug  Dia  do  na  deiseiobuil  ehum  an  aire 
a  ghairm  gu  moraehd  losa.  Is  e  sin  ri 
radh,  tha  iad  am  beachd  gur  h-ann  air 
sgath  nan  deisciobul  a  thaehair  an  ni  a 
tliaohair,  chum  creidimli  a  dhusgadh  annta 
anil  an  Diadhachd  losa.  Tha  sin,  ann  an 
tomhas,  fior,  agus  cha'n'eil  teagamli  nach 
do  neartaich  an  sealladh  a  ehunnaic  iad 
creidimh  nan  deisciobul  ann  an  Diadhachd 
losa;  ach  aig  a'cheart  am,  tha  sinn  an  duil 
gur  h-ann  air  sgath  losa  fein  a  thaiuig 
teachdairean  is  guth  o  neamh,  agus  nach 
anil  air  sgath  nan  deisciobul.  Cha'n  ann 
orra-san  idir  is  coir  dhuinn  ar  n-aiie  a 
slioeruchadh,  ach  air  an  neach  naomh  a  l)lia 
gleachd  ri  Dia  ann  an  urnuigh,  agus  a 
fhuair,  mar  thoradh  'urnuigh,  a  leithid  de 
fhaireachduinn  air  lathaireaehd  an  athar  's 
gu'n  do  dhealraieh  'aodann  mar  a'ghrian.  Is 
e  an  eath  spioradail  a  chaidh  air  aghaidh 
aim  an  anam  losa  fein  agus  an  dearbhachd 
spioradail  air  an  do  raiuig  e  air  Hermon, 
a  rinn  a'  bheinn  sin  'na  h-ionad  ro  naomh, 
agus  cha  'n  e  an  sealladh  a  cliunnaic  na 
deiseiobuil. 

Aig  toiseaeh  a  mhinistreileaclid  chaidh  e 
troimli  fhiosrachadh  searbh  anus  an  fhas- 
acli,  agus  aig  deireadh  a  bheatha  chaidh 
e  troiiuh  fhiosrachadh  searbh  ami  an  Get- 
semane.      Bha    'n    saoghal    agus    an    flieoil 


22 


ag  iarraidh  air,  Calbhari  a  sheachnadli  agus 
a  rioghachd  a  chur  air  chois  air  dlioigh 
eile.  Air  uaireau  thainig  an  smuain  tliuige 
gu'm  faodadh  an  saoghal  a  bhi  ceart,  agus 
naeh  b'e  toil  Athar  gu'n  rachadh  e  troimli 
fhulangas  a"  bhais  idir.  B'e  sin  am  buair- 
eadh  sonruiclite  a  thainig  thuige  anns  an 
f  hasaoh  an'  uair  a  blia  e  ag  ullachadh  anma 
airson  ua  li-oibre  a  thug  'Athair  dha  ri 
dheauamh  agus  a'  smuaineachadh  air  an 
doigh  a  b'  fhearr  anns  an  coimhlionadh  e 
i.  Bha  guth  an  t-saoghail  agus  solus  'iunt- 
inn  fein  a'  del  ealg  dhireach  an  aghaidh  a 
cheile,  ach  rogliuaich  e  a  sholus  fein  a 
leautainn,  ged  dh'  fhuilingeadh  e  am  bas. 
Is  e  an  iom-chomhairle  so  anns  an  robli 
losa,  car  greis  aig  toiseach  a  mhiuistreil- 
eaclid,  a  tha  na  soisgeulaichean  a"  ciall- 
achadh  leis  a'  bhuaireadh  no  an  dearbhaclh 
troimh  an  deachaidh  e  anns  an  f'hasach. 
Bha  an  cath  searbh  cho  fad  's  a  mhair 
e,  ach  air  dha  bhi  ann  an  iom-chomhairle, 
rinn  e  urnuigli  ri  'Athair  agus  fhuair  e 
dearbhachd  cho  soilleir  air  toil  Dhe  's  gu'n 
do  chuir  e  aghaidh  air  Calbhari  o'n  latha 
sin. 

Beagan  laithean  m'an  deachaidh  losa 
suas  gu  Hermon,  tha  na  soisgeulaichean 
ag  innseadh  dhuiun  gu'n  do  labhair  e  ris 
na  deisciobuil  mu  'bhas.  Chunnaic  e  gu'n 
robh  an  t-am  a'  tarruing  dluth.  Bha  'n 
sluagh  a'  tuiteam  air  falbh,  's  bha  naimh- 
deas  nan  sagairteau  's  nan  uachdaran  a" 
fas  na  bu  teotha.  Bha  dochas  aig  na  deis- 
ciobuil naeh  robh  cuisean  cho  dorcha  's  a 
bha  esan  an  duil,  agus  gu'n  tigeadh  an 
sluagh  thuca  fein  ann  am  beagan  uine, 
's  gu'n  gabhadh  an  duthaich  uile  ris  mar 
am  Messiah.  Ach  bu  leir  do  losa  comliarran 
na  li-aimsir  mar  naeh  bu  leir  dhaibhsan, 
agus  chum  an  cridheachan  ullachadh  airson 
an  dealachaidh  a  bha  gu  tachairt,  dh'  innis 
e  dhaibh  gu  reidh,  soilleir  gu'm  feumadh 
Mac  an  duiue  moran  nithean  fhulano-  ag;us 
a  bhi  air  a  cheusadh.  Chuir  a  chaiunt  iou- 
gantas  is  uamhas  orra  agus  thuirt  Peadar, 
"Gu  ma  fada  sin  bhuait-se,  a  Thighearna.'" 
Shaoileamaid  naeh  robh  briathran  Pheadair 
fad  as  an  rathad,  ach  chronaicli  losa  e  gu 
geur  "Imich  air  mo  ehul,  a  Shataiu."  Carson 
a  rinn  e  sin?  Tha  sinn  an  duil  gu'n  do 
riun,  a  chionn  gu'n  robh  Peadar  a"  cur 
'na  charamh  a'  cheart  bhuaireadh  a  thug 
cath  cho  searbh  dha  anns  an  fhasach  corr 
is  bliadhna  roimhe  so.  Aig  an  am  sin,  b'e 
an  saoghal  agus  Prionnsa  an  t-saoghail  a 
chuir  dearbhadh  air,  ach  a  nis  bha  a'  cheart 
dearbhadh  air  a  chur  air  le  aon  d'a  chaird- 


ean,  agus  chuir  e  bron  air  losa  gu'm  biodh 
e  cho  fada  maille  riu  agus  naeh  b'  aithne 
dhaibh  e  na  b'  fhearr  no  gu'n  tugadh  iad 
dha  a  leithid  sud  de  chomhairle.  Bha  e 
soilleir  dha  fein  naeh  b'  urrainn  e  Calbhari 
a  sheaehnadh,  gun  dol  an  aghaidh  ruin- 
tean  Dhe,  agus  gur  h-ann  a  mhaiu  tre  bhas 
is  fhulangas  a  shaoradh  e  a  bhraithrean. 

Cliaidh  e  suas  gu  Hermon  ehum  anam  's 
a  chridhe  fein  a  neartaohadh.  Thionndaidh 
e  air  falbh  o  dhaoine  agu.s  o  chomhairle 
dhaoine,  chum  a  thaic  a  leigeil  ri  Dia  agus 
guidhe  air  'Athar  gu'n  tugadh  e  dha  a 
chomhfhurtachd  's  a  lathaireachd  anns  an 
dorchadas  a  bha  air  thoiseach  air.  Ged 
thug  e  leis  triuir  de  na  deisciobuil,  faodaidh 
e  bhith  naeh  ann  airson  a  ghloir  a  nochdadh 
dhaibh  a  rinn  e  sin,  ach  air.  ghaol  cuid- 
eigin  a  bhi  comhla  ris  an  uair  a  bha  anam 
fo  bhron.  Ach  thaehair  air  a'  bheinn  mar 
thachair  ann  an  garadh  Ghetsemane;  cha 
b'  urrainn  dhaibh  faire  a  dheauamh  maille 
ris,  ag'us  am  feadh  's  a  bha  esan  ag  ur- 
nuigh,  chaidil  iadsan.  Air  beinn  Hermon, 
ann  an  urnuigli  is  ann  an  co-ehomunn  ri 
'Athair,  fhuair  losa  roimh-bhlas  de'n  aoibli- 
neas  a  chuireadh  roimhe,  agus  ehiudich  sin 
leis  dol  air  aghaidh  le  misuieh  agus  an 
crann-ceusaidh  fhulang.  M'an  do  ghairm 
Dia  air  a  mhac  dol  sios  do  'n  ghleann 
dhoreha  anns  an  do  ghlaodh  e  an  eigin 
anma,  "Mo  Dhia'  mo  Dhia,  earsou  a  threig 
thu  mi,"  thug  e  dha  co-chomunn  cho  dluth 
's  cho  solasaeh  ris  fhein  's  naeh  measadh 
e  gu'm  b'  airidh  plan  na  feola  a  bhi  air 
a  ehoimeas  ris  an  aoibhneas  spioraid  sin. 
Bhruchd  gradh  is  maitheas  Dhe  a  steach 
air  a  chridhe  mar  thuil.  Cha  'u  'eil  ach 
fior  bheagan  dhaoine  naeh  cuir  teagamh 
ann  an  gradh  Dhe  uair  no  uair-eigin,  gu 
sonruiclite,  ma  tha  a  lanih  air  a  leagadh 
orra  gu  trom.  Tha  an  diadhair  a  sgriobh 
an  litir  chum  nan  Eabhruidheach  ag  radii 
gu'n  robh  Criosd  air  a  bhuaireadh  's  na 
h-uile  nithean  air  an  doigh  eheudna  rmnne, 
agus  naeh  faodar  a  radl^  le  h-urram,  gu'n 
d'fhuair  Prionns  an  t-saoghail  Ian  chothrom 
am  buaireadh  sin  a  chuir  ann  an  inntiun 
Mhie  an  duine  aig  an  am  so.  Ach  ma. 
chuir,  cha  d'  thug  Mae  an  duine  aite  do'n 
droch  smuain,  aon  mhionaid.  Ged  a  bha 
'n  saoghal  a'  faotainn  na  buadlia  air,  cho 
fad  agus  a  bu.  leir  do  shuil  duine,  agus  a 
bha  uachdarain  an  t-saoghail  an  impis  a 
ghlacadh  le  lamhachas-laidir  agus  gu  li- 
eucoraeli,  elia  do  chaill  e  "earbs  ann  an 
gradh  is  maitheas  Dhe.  Ann  an  uaigneas 
na  beinne,   air   dha   bhi   'g   urnuigli,   fhuair 


23 


e  dearbhachd  ur  air  gradh  'Athar,  agus 
dearbhachd  ur,  mar  an  ceudna,  gu'n  robh 
e  giiiasad  a  reir  toil  Dhe,  agus  gu'n  robli 
riiiutean  Dhe  'g  an  coimhlionadh  ann,  ged 
nacli  bu  leir  do'n  t-saoghal  e.  Thug  an 
f-eolas  so  a  leithid  de  sholas  's  de  dh' 
aoibhiieas  do  Chriosd  's  ffu'n  do  las  as'h- 
aidh  le  gioir  nan  neamh. 

Air   a'    bheinn   choisrig   Criosd   e   fein   as 
ur,  eorp  is  spiorad,  do  sheirbhis  Dhe  's  do 
slieirbhis  a  bhraithrean;    agus  bha  an  guth 
a  thainig   o   neamh    'na   chomharra   follais- 
each    gu'n    do    ghabh    Dia    ris    an    iobairt 
thaitnich    a    thairg    e.     "Is    e    so    mo    mhac 
gradhach   anns   a   bheil   mo   mhor   thlachd." 
Tri    uairean   chuala   Criosd   an   guth   aoibh- 
neach    sin    re    a    chuairt    air    thalamh;    aig 
abhainn    lordan,    air    beinn    Hermon,    agus 
ann  am  baile  lerusaleim.    Aig  na  h-amann- 
an  sin  bha  cudthrom  na  h-oibre  a  thugadh 
dha  ri   dheanamh   a'   luidhe   gu   trom  air  a 
chridhe,  ach  ged  a  bha  fheoil  anfhann  mar 
fheoil  a  bhraithrean,  bha  a  spiorad  toileach 
's  a  thoil  suidhichte,  's  rachadh  e  air  as-h- 
aidh  eadhoin  gu  has.    Agus  a  chionn  nach 
do  thoilich  e  an  fheoil  no  toil  na  feola,  ach 
gu'n    robh    e    umhal    do    Dhia    anns    gach 
eeum,  bheannaich  is  shealaich  Dia  dilseaehd 
a  sheirbhisich  le   gu.th  as   na  neamhan,   "Is 
Vii  mo  mhac  anns  a  bheil  nio  mhor  thlachd." 
Ach    ged    bha    Hermon    'na    ionad    a    bu 
naoimhe    do'n    t-Slanuighear    fein    no    bha 
e    do    na    deisciobuil,    agus    ged    b'ann    air 
a  sgath-san  a  threoraich  spiorad   Dhe   do'n 
bheinn   iad,    fhuair   na   deisciobuil,    mar   an 
eeudna,  fiosrachadh  solasach  agus  bu  mhaith 
dhaibh   gu'n    robh   iad    ann.     Ged   nach    do 
mhair    an    sealladh    ach    greis    bheag,    bha 
iad  cinnteach  gu'm  faca  iad  gloir  an  Tigh- 
earna.    Dh'  fhairich  iad  gu'n  robh  Dia  dlutli 
dhaibh,  agus  bha  an  inntinnean  air  an  toirt 
fo   bhuaidh    an   t-saogh,ail   neo-fhaicsinnieh. 
Cha'n'eil   e   comasach   do'n   chuid   a's   motha 
de  dhaoine  a  bhi  fo  bh\uaidh  nitheau  ard  is 
spioradail  daonnan.     Tha  'n  fheoil  anfhann 
agus   tha   neul   a'    pheacaidh   's   na   feola   a' 
seasamh   eadar   iad  is   uithean   maiseach   an 
t-saoghail   spioradail.     Ach   is    maith   a   dh' 
eireas    dhaibh    ma    bh^os    iad   air   an    togail 
suas  an  drasd  's  a  rithist  os  an  cionn  fein, 
's  ma   chi  iad   plathadh  beag  de   ghloir  an 
Uile-chumhachdaich.    Is  e  sin  na  h-amann- 
au   a's    fhiach   cuimhn    a    ohiunail    orra,    oir 
tha  iad  do  dh'anam  an  duine  'nan  dearbhadh 
air    na    nitheau    a    ta    siorruidh,    agus    'nan 
roimh-bhlas    de    'n    aoibhneas    mhor    a    tha 
feitheamh   air   sluagh   an   Tighearna,    'nuair 
olii  iad  e  aghaidh  ri  aa-haidh. 


BAS    AN   RIGH. 


Cha  mhor  theaghlaichean  rioghail  a 
fhuair  uiread  graidh  o'n  sluagh  's  a  fhuair 
a'  Bhan-righ  nach  maireann  's  a  cuid 
cloinne.  An  uair  a  thainig  a  mac  a  dh' 
ionnsuidh  a'  Chruin,  thionndaidh  cridhe 
na  duthcha  ris  le  blaths  is  baigh  a  chionn 
gu'm  bu  mhac  a  mhathar  e.  Ach  cha  robh 
e  fad  air  a'  Chrun  'nuair  a  chunnaeas  gu'm 
b'  airidh  e  air  meas  is  gradh  air  a  sgath 
fein,  agus  thainig  naigheachd  a  bhais  oirnn 
mar  sgeul  nan  creach.  Ged  a  bha  monmhur 
am  measg  dhaoine  anns  an  earrach  nach 
robh  e  idir  gu  maith,  cha  robhtar  a'  toirt 
moran  creideis  do'n  t-seanchas,  agus  cha 
do  ghabh  an  duthaich  eagal  sam  bith  gu 
latha  no  dha  m'an  d'  thainig  a'  chrioch. 
Thainig  am  bas  aig  am  nach  robh  dull  ris, 
agus  aig  am  anns  an  robh  feuni  aig  an 
duthaich  air  laimh  mhaith  air  an  stiuir, 
agus  'nuair  a  clmalas  an  sgeul  bhochd  bha 
Breatunn  uile  balbh  le  bron. 

Cha  'n  'eil     e     furasda     dhuinu     an     call 
a  thainig  air  an  duthaich  n  thuigsinn  fhath- 
ast.     Cha   'n   e   mhain   gu'n   d'    thainig   call 
air    Breatunn    le    bas    an    duine    choir,    ach 
thainig   call   air   an   t-saoghal   uile,    oir   bha 
cudthrom  aig  fhaeal  am  measg  rioghachdan 
eile    nacli    'eil   aig   facal   neaeli   sam   bith   a 
dh'    fhag    e    'na    dheigh,    agus    bha    fhaeal 
daonnan    air    taobh    sith    is    reite.     Cha    bu 
toigh    leis    iorghuill,    agus    thatar    ag    radh 
nach   d'   thug  e   riamh   cuairt  do   dhuthaich 
eile  gun  gean-maith  na  duthcha  sin  a  chos- 
nadh  do  Bhreatunn.    Blia  agus  tha  righrean 
eile  ann  m'  am  faoidhteadh  a  radh  gur  h-e 
an   t-seirbhis    a    b'    fhearr    a    dheanadh    iad 
do  dh'  aobhar  na  sith,  fantuinn  aig  an  tigh 
agus   am   beul  a   dhunadh,   ach   cha   b'   ann 
dhiubh  .sin  esan.    Bha  a  leithid  de  dh'  aoibh 
air  aodann,  's  de  dheagh  nadur  'na  chridhe, 
's  de  ghliocas  'na  chainnt,  's  gu'm  faodadh 
inntinn  shocrueh  a  bhi  aig  sluagh  na  duth- 
cha,   "nuair    a    rachadh     e    a    thaghall    air 
righrean  eile,  Ian  chinnteach  nach  h-e  aimh- 
reit  ach   sith   a   dheanadh   e. 

Ann  an  duthaich  a  tha  air  a  riaghladh 
mar  tha  Breatunn,  is  beannachd  mhor  e 
gu'm  biodh  meas  is  gradh  aig  an  t-sluagh 
air  an  fhear  a  tha  'na  shuidhe  air  an  righ- 
chaithir,  cha  'n  e  mhaiii  air  sgath  'inbhe 
's  a  dhreuchd,  ach  air  a  sgath  fein. 
Bha  gaol  aig  an  t-sluagh  uile  air  an  righ 
nach  maireann  mar  dhuine,  agus  bha  meas 
aca  air  mar  righ,  agus  tha  miltean  is 
miltean  an  diugh  'ga  chaoidh  mar  gu'n 
eailleadh    iad    caraid    dluth.     Bha    aibhtean 


24 


aige  gii  iiadurra  a  blia  furasd  aii  tuigsiun 
le  daoine  cumanta,  agus  ged  a  blia  e  os 
ar  cionn,  blia  sinn  a'  faireachduiim  gu'n 
I'obli  e  mar  an  ceudna  dhinn,  Breatimnach 
mor  gasda  a  bha  gle  choltacli  ris  a'  chorr 
d'a  shluagh,  ach  a  mliaiii  gu'u  robh  e  'na 
righ.  Bha  e  flathail  'na  choltas,  uasal  'na 
uadur,  agus  anabarrach  truacanta.  Cha  robh 
duine  anns  an  rioghachd  a  bu  luaithe  chnir- 
eadh  a  lamh  'na  sporran  airson  thruaghan, 
agus  an  rud  a  dheanadh  e,  dheanadh  e  le 
loiun  is  tlachd.  Bha  e  aig  an  tigh  anns 
gach  seorsa  cuideachd,  agus  b'  aithne  dha 
am  facal  ceart  a  labhairt  air  gach  am.  Cha 
robii  e  a'  tigh'nn  beo  dha  fein  no  'ga  fhol- 
uch  fein  o  shuilean  dhaoiue;  rachadh  e 
'nam  measg  gu  toileach  air  feill  is  bauais 
mar  gu  'm  biodh  aon  dliiubh  fein.  Ma 
bhiodh  e  air  uairean  seachd  sgith  de  na 
deas-ghnathanna  a  dh'  fheumadh  e  dol 
tromhpa  mar  mhaighstir  nam  modhannau 
anns  an  rioghachd — agus  co  an  duine  nach 
bitheadli? — cha  'n  aithnicheadh  daoine  eile 
sin  air.  Bha  'neart  is  'uine  air  an  toirt 
seachad  gu  saor  leis  do'n  staid.  Tha  iadsan 
a  bha  'nan  comhairlichean  aige  ag  radh, 
nach  do  rinn  e  riamh  dearmad  air  dleasd- 
anas  beag  no  mor  a  bhuineadh  do'n  staid, 
agus  gu'n  robh  e  daonnan  a'  cur  obair  na 
rioghachd  air  thoiseach  air  a  thoilinntinn 
fein.  'Nuair  a  bha  e  air  leabaidh  a  bhais, 
an  latha  m'an  do  shiubhail  e,  dh'  eirich  e 
a  shealltuinn  air  obair  a  bha  ri  dheanamh, 
ged  a  dh'  fheuch  na  lighichean  ri  bhacadh. 
Bha  e  'na  fhior  dhuine  coir;  bha  meas  aige 
air  a  shluagh  's  air  a  dhuthaich  agus  fo 
'riaghladh  mheal  sinn  deagh  shoirbheachadh 
agus  sith.  Theid  ainm  sios  ann  an  eaclid- 
raidh  mar  aon  de  na  righrean  a's  fliearr 
a  shuidh  riamh  air  crun  Bhreatuinn.  Dh' 
fhag  e  aig  a  mhac,  Eigh  Deorsa,  an  dileab 
a  b'  fhearil  a  b'  urrainn>  e  a  thoirt  dha,  geau 
maith  is  dilseachd  an  t-sluaigh  do  'n  Chrun. 
Tha  cuimhne  aig  cuid  d'ar  luchd  loiigh- 
aidh  air  na  litrichean  faireaehdail  a  b'abhaist 
do  Bhan-righ  Victoria  a  sgriobhadh  a  dh' 
ionnsuidh  a  sluaigh  aig  na  h-amaunan  anns 
an  d'  thainig  trioblaid  oirre,  ach  tha  sinn 
an  duil  nach  do  sgriobh  i  riamh  litir  a 
bhean  ri  cridhe  na  dutlicha  mar  a  bhean 
an   litir   a   sgriobh    Ban-righ   Alecsandra. 

"  O  ghrunnd  mo  chridhe  bochd,  briste,  tha  mi 
toirt  taing  do  'n  duthaich  uile  agus  d'  ar  aluagh 
gradhach,  airson  an  co-fhaireachduinn  rium  agus  an 
caoimhneas  a  noohd  iad  dhomh  anns  an  trioblaid  a 
thainig  orm  —  bron  nach  gabh  innaeadh.  Cha  'n  e 
mhain  gu'n  do  chaill  mise  na  bha  agam  de  'n  t-saoghal 
le  bas  mo  chompanaich  gaoil,  ach  thainig  call  nach 
gabh  leasachadh  air  an  rioghachd.  Chaill  i  a  Righ,  a 
h-athair,  agus  a  caraid  a  b'  f  hearr. 

Gu  'n  cuidicheadh  Dia  leinn  uile  an  t-uaUach  trom 


so  a  chunnaic  e  iomchuidh  a  leagadh  oirnn,  a  ghiulan. 
A  thoil-san  gu  'n  robh  deante.  Biodh  cuimhn  agaibh 
orm  'n  ur  urnuighean,  oir  bheir  sin  oonihfhurfachd 
dhomh,  agus  cumaidh  e  suas  mi  anna  na  bheil  agam  ri 
dol  troimhe  fhathast. 

Tha  mi  a"  gabhail  a'  chothroim  so  air  taing  a  thoirt 
le  m'  uile  chridhe  do'n  t-sluagh  uile,  ard  is  iosal,  beairt- 
aich  is  bochd,  airson  nau  litrichean  caoimhneil  a  chuir 
iad  thugam,  agus  airson  comharran  eile  a  fhuair  mi  air 
an  CO  fhaireachduinn  rium.  Bha  na  litrichean  sin  cho 
lionmhor  's  gu  bheil  eagal  orm  nach  h-urrainn  mi  am 
freagairt  air  fad. 

Tha  mi  cur  mo  mhac  gaolaoh  air  ur  n-earbsa.  Tha 
fios  agam  gu'n  lean  e  ann  an  ceumannan  'athar,  agus 
tha  mi  a'  guidh  oirbh  an  dilseachd  's  an  gradh  a  nochd 
sibh  d'a  athair,  a  nochdadh  dha-san  cuideachd.  Tha 
fios  agam  gu'n  dean  e  fein  's  mo  nighean-cheile  na's 
urrainn  dhaibh,  gu  bhi  airidh  orra. " 

Bu  chruaidh  an  cridhe  ris  nach  beanadh 
an  litir  so,  ag-us  tha  sinn  cinnteach  a-u  'n 
teid  urnuighean  an  t-sluaigh  a  thairgsinu 
le  durachd  air  son  na  Ban-righ  chaoimh. 
G-u  'n  lionadh  an  Tighearn  a  cridhe  le 
comhfhurtachd   an   Spioraid   Naoimh! 


AN  GARRACHDAN. 


An  uair  a  dh'  flias  na  h-itean  air  a' 
gharrachdan,  thuirt  an  fheannag  ritlie  fhein 
gu'm  bu  mhithich  dhith  eolas  na  beatha 
thoirt  d'a  mac  gaolach,  agus  cunnartan  an 
t-saoghail  innseadh  dha.  An  cluinn  thu  mi, 
ars'  ise,  ma  chi  thu  fear  a'  gabhail  seachad 
agus  slat  chaol  'na  achlais,  thoir  do  chasan 
as,  oir  is  docha  gur  li-e  gunna  tha  'na 
asgaill.  Ma  chi  thu  fear  no  balach  a'  dol 
seachad,  agus  e  togail  doirneagan  chlach, 
tarr  as  eho  luath  's  a  ni  do  sgiathan  dhuit, 
oir  tha  'n  t-olc  'na  bheachd.  Ach  ma  chi  thu 
duine  dol  seachad  gun  dad  'na  achlais,  agus 
gun  e  cromadh  a  dh'  iarradh  chlach,  na  car- 
aich  as  an  ait  anns  a  bheil  thu,  oir  cha  bhean  e 
riut.  Ach,  ars'  an  garrachdan,  nach  faod 
clach  a  bhi  aige  na  jihoca.  Bi  falbh,  ars' 
an  fheannag,  cha  ruig  mise  leas  an  eorr  a 
radh  riut;  cha  'n  'eil  car  ann  am  foghlum 
nam    feannag    nach    'eil    agad    cheana. 

B'  aithne  dhuinn  bodach  a  thug  a  mhac 
gu  ceann  an  tighe  aon  latha,  chum  eolas 
na  slighe  thoirt  dha  mar  thug  an  fheannag 
d'a  mac  fein.  Lean  thusa  eiseimpleir  t- 
athar,  ars'  esan,  anns  a  h-uile  ceum  agus 
cha  teid  thu  air  seacharan.  Thuirt  am  mac 
gu'n  deanadh  e  sud.  Faiceam  mata,  ars' 
'athair,  gu'm  cum  thu  ri  d'  fhacal,  agus 
cha  bhi  aithreachas  oirnn  le  cheile  gu  brath. 
An  ceann  greis  thug  am  bodach  tarruing 
air  a'  phiob,  agus  las  e  i.  Chuir  am  brogach 
a  lamh  na  phoca,  thugar  a  mach  a'  chutag 
fein,  is  cuirear  gradan  rithe.  Cha  robh  fios 
aig  athair  gus  a  so  gu'n  robh  e  ris  a'phiob, 
agus  is  e  a  thubhairt  e — An  ann  mar  so  a 
tha;    chaidh   thu  orm,   a  gharraich. 


I 


i 

I 
I 

.J 


-1 


'4 


M 


Air    7. 


1910 


TOIBHEUM   AN  AGHAIDH 
AN    SPIORAID    NAOIMH. 

Ge  b'e  labhias  toiblieiim  an  aghaidh  an 
Spioraid  Naoimh,  cha  'n  fhaigh  e  niaitli- 
eanas    a    chaoidh. — Marc    iii.    29. 


Ann  an  leabhar  lain  Bhuniaii,  Ch'ds  a»i 
Pailteaf!,  tlia  e  ag-  innseadh  gu'u  do  chuir 
na  briathran  so  critli  'u  a  flieoil.  Chuir 
iad  a  leithid  de  dli'  uamlias  air  's  gu'n  robh 
a  blieatha  'na  h-uallach  dha.  Ach,  ars'  esan. 
ged  a  blia  mi  sgitli  de  m'  bheatha,  clia 
i-obli  mi  deas  airson  a'  bhais,  oir  bha  mi 
cinnteach  gu'n  do  chuir  mi  an  gnionili  am 
peacadli  nach  gabli  maitheadh,  's  nacli  robii 
dol  as  agam  o'n  flieirg-  a  ta  ri  teachd. 

Chuii  na  briathran  eagal  air  iomadli  duine 
eile  cho  mliaitli  ri  Iain  Bunian,  agus  iha 
iad  gus  an  latlia  'n  diugli  'nan  cnap-starra 
do  mhorau.  Clia  ruig  siun  a  leas  ar  leth- 
sg'eul  a  ghabhail  airson  a  bhi  tigliiun  thairis 
orra,  oir  ged  nacli  "eil  solus  ur  againn  ri 
tliilgeil  air  a'  chuis,  feucliaidli  sinn  ris  na 
briathran  a  mhineachadh  a  reir  mar  a  tlia 
iad  air  an  tuigsinn  le  daoine  diadhaidh  is 
pongail.  Cha  b'e  faidli  no  abstol  a  labhair 
iad  ach  an  Slanuigliear  fein,  agus  I'aodar 
a  bhi  cinuteaeli  nacli  do  labhair  esan  f'acal 
gun  fheum,  agus  nach  do  labhair  e  facal 
riamh  air  ghaol  uamhas  is  crith  a  cliur  air 
a  bhraithrean.  Is  e  ceud  dhleasdanas  ehreid- 
mheacli  feuchainn  ri  briatliran  Chriosd  a 
thuigsinn,  agus  au  atli  dhleasdanas  feuch- 
ainn ri  bhriathran  a  dheanarah. 

Los  au  smuain  a  bha  anu  an  iuntinn 
Chriosd  a  thuigsinn,  feumar  cuimhneachadh 
air  an  t-suidheaehadh  anns  an  do  chleachd  e 
a'  chainnt  so.  Au  deigh  dha  an  da  fhear 
dheug  a  chur  air  leth  ann  an  seirbliis  an 
t-soisgeil,  thill  e  air  ais  gu  Capernaum. 
Chuala  muinntir  Glialile  iomradh  air  na 
nithean  miorbhuileaeh  a  rinn  e  air  a  churns 
do  lerusalem,  agus  cha  luaitlie  rainig  e  an 
criochan  no  chruinnicli  iad  'ga  iounsuidh 
'nan  ceudan.  Bha  amharus  aig  Pharasaich 
lerusaleim  gu'm  faodadh  cuisean  a  bhi  mar 
so,  agus  chuir  iad  luchd  brathaidh  do  Ghalile 
chum  forfhais  fhaotainn  mu  dhol  a  mach. 
Cha    b'    fhada    o'us    an    d"    fhuair    an    luchd 


brathaidh  an  cothrom  a  bha  dliith  orra. 
Thugadh  'ga  ionnsuidh  balbhan,  agus  leighis 
se  e.  Chuir  a'  mhiorbhuil  iongautas  mor  air 
au  t-sluagh,  agus  ghlaodh  cuid  dhiubh  gu'm 
b'e  da-rireadh  mac  Dhaibhidh.  Cha  robh 
fiuthair  aig  na  Pharasaich  ris  a  so,  agus 
cha  do  chord  e  riu.  Cha  ruigeadh  iad  a  leas 
feuchainn  ri  teagamh  a  chur  anns  a'  mhior- 
bhuil, oir  ehunnaic  an  sluagh  le  'n  suilean. 
gu'n  roljh  am  balbhan  air  a  leigheas.  Ach 
d\x  fheucli  iad  ri  oar  eile  a  chur  anns  a' 
ghnothuch.  Chrath  iad  an  cinn,  agus  thuirt 
iad  nach  b'e  cumhachd  chneasda  sam'  bith  a 
bha  air  giulan  losa,  agus  gu'n  robh  e  anu 
an  co-bheinn  ri  Beelsebub,  Prionnsa  nan 
deamhan.  Chuala  losa  an  rud  a  chuir  na 
droch  Pharasaich  as  a  leth,  agus  chuir  olcas 
an  cridhe  mulad  air.  Chunnaic  iad  an 
gniomh  maith  is  trocaireach  a  rinneadh,  ach 
a  chionn  gu'n  robh  fuath  is  naimhdeas  aea 
do'n  neach  a  rinu  e,  chruadhaich  iad  an 
cridhe  is  mhuch  iad  an  coguis,  agus  thuirt 
iad  nach  robh  ann  ach  fior  obair  an  deamli- 
aiu.  An  sin  labhair  losa  na  briathran  riu — 
Ge  b'e  neach  a  labhras  toibheum  an  aghaidh 
Mhic  an  duine,  maithear  dha  e,  ach  ge  b'e 
neaeli  a  labhras  toibheum  an  aghaidh  an 
Spioraid  naoimh,  cha  mhaithear  dha  e,  oir 
a  ta,  e  air  a  bheo  ghlacadh  le  peacadh  siorr- 
uidh.  Mar  gu'n  abradh  e,  ciod  a's  urrainu 
Dia  fein  a  dheanamh  ri  daoine  a  dhuin  au 
suilean  an  aghaidh  an  t-soluis,  's  a  chruadli- 
aich  an  cridlieachan  an  aghaidh  na  hrinn, 
mar  rinn  sibhse? 

Cha  d'  thubhairt  Criosd  eadhoin  ris  na 
droch  dhaoin  ud  nach  faigheadh  iad  trocair,, 
ach  le  soluimceachd  a  bhriathrau  chuir  e 
'nan  cuimhne  gu  'n  robh  iad  ann  an  staid 
chunnartaich,  agus  gu'n  robh  iad,  a  reir 
coltais,  cho  caoin-shuarach  mu  nithean  spior- 
adail  's  gu  'm  bu  choingeis  leo  a'  bhreug 
no  'n  fhirinn,  am  peacadh  no  fireantachd. 
An  uair  a  tha  sin  mar  sin,  tha  am  (bas 
spioradail  dliith,  agus  cha  'n  e  Dia  a  tha 
tha  toirt  a  mach  binn  a'  bhais,  acii  am 
peacach  e  fein.  Cha  robh  tlachd  sam  bith 
aig-  an  t-Slauuighear  chaomh  ann  a  bhi 
labhairt  firinn  shearbh  ris  na  Pharasaich,. 
ach  b'e  an  caoimhneas  a  b'  fhearr  a  b' 
urrainn  e  dheanamh  riu  au  cuunarl  innseadh 
dbaibh,    agus    gun   an    taobh    shearbli    de    'u 


26 


fhirimi  a  chleith  orra.  Cha  b'  ioiiami 
dhaibhsan  agais  do  iia  cis-rahaoir  is  peaoaich 
eile  na  dutliclia.  Blia  iad  sin  a'  dol  air 
seacharan  leis  an  aineolas  agus  a  chioiin 
nach  d'  ionnsiiich  iad  casg  a  chur  air  aua- 
miannan  na  feola.  Cha  robh  na  Pliarasaich 
aineolach,  's  cha  mho  a  bha  e  taar  chleachd- 
adh  aca  ruith  a  leigeil  le  'n  ana-miannan, 
ach  bha  iad  uaibhreach,  naimhdeil,  agus  b' 
fhearr  leo  an  teangannan  a  bhi  air  an  gearr- 
adh  asda  seach  aideaehadh  gur  h-e  obair 
Dhe  a  bha  Criosd  a'  deanamh.  Bha  fuath 
cho  mor  aca  dha  agus  gu  'm  muchadh  iad 
solus  an  inutiuu  's  an  coguis  seach  aon 
fhaeal  maith  a  radh  as  a  leth.  Air  a" 
chranu-ceusaidh  ghuidh  Chriosd  air  athair 
niaitheanas  a  thoirt  do  na  daoiue  a  bha 
deanamh  eucoir  air,  olr  cha  'n  'eil  fios  aca 
ciod  a  fa  iad  a'  deanamh.  Ach  bha  deagh 
fhios  aig  na  Pharasaich  ciod  a  bha  iad  a' 
deanamh,  an  uair  a  thubhairt  iad  gu'u  robh 
e  ann  an  co-bheinn  ri  Beelsebub,  agus  is 
e  sin  a  chuir  bron  air  anam  Chriosd. 
Chunnaic  e  gu  'n  robh  iad  a'  dunadh  jin 
sul,  's  a'  muchadh  an  coguis  'nan  deoin, 
agus  is  e  sin  am  peacadh  air  an  d'  thug 
e  an  t-ainm,  toibheum  an  aghaidh  an  Spior- 
aid  Naoimh. 

I.  Cha  'n  urrainnear  earrann  sam  bith 
de  'n  Bhiobull  a  ghabhail  ann  an  seadh  a 
tha  dol  an  aghaidh  spiorad  a"  Bhiobuill; 
agus,  a  reir  teagasg  a'  Bhiobuill,  cha  diult 
Dia  maitheanas  do  pheacach  sam  bith  a 
tha  aithreachail.  Tha  trocair  Dhe  cho  far- 
suing  ris  a'  chuau,  agus  buan-mhaireannach 
mar  na  neamhan.  Co  an  Dia  a  ta  cosmhuil 
ris-san,  a  mhaitheas  aingidheachd  agus  a 
ghabhas  seachad  air  eusaontais  a  shluaigh, 
oir  cha  ghleidh  e  a  chorruich  gu  siorruidh 
do  bhrigh  gur  toigh  leis  trocair?  Cha  "n 
'oil  Criosd  a'  ciallachadh  leis  na  briathran 
so  gu  'n  tig  an  1  atha  anns  nach  eisd  Dia 
ri  urnuigh  a'  pheacaich,  ged  ghlaodhadh 
e  ris  le  h-aithreachas  's  le  deuraibh.  Cha  b' 
urrainn  Criosd  an  smuain  uamhasach  sin 
altrum,  oir  rachadh  i  calg-dhireach  un 
aghaidh  obair  a  bheatha  fein,  agus  an 
aghaidh  a  bhriathran — An  ti  a  thig  am 
ionnmidh,  cha  tilg  m.i  air  chor  sam  bith  a 
much  e.  Ach  ged  bha  Chriosd  toileach 
a'  bheatha  mhaireannach  a  thoirt  do  na 
h-uile,  cha  do  ghabh  ach  cuid*  ris  an  tiodh- 
lac  a  thairg  e  dhaibh  ann  an  laithean 
fheola.  An  deigh  do  Jerusalem  cul  a  chur 
ris,  sheas  e  os  cionn  a'  bhaile  naoimh  agus 
ghuil  e.  Cia  minic  a  b'  aill  leam  do  chlann  a 
chruinneachadh  r'a  cheile,  mar  a  chruinn- 
icheas  cearo  a  h-eoin  fuiclh  a  sgiathan,  ach 


cha  b'  aill  leibh.  Cha  b'  aill  leibh.  Is  © 
sin  an  toibheum  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoimh  air  an  do  labhair  Croisd.  Cha  'n 
'eil  peacach  sam  bith  nach  faigh  maitheanas 
ach  am  peacach  nach  iarr  e,  agus  is  a  an 
aon  pheacadh  a  ta  siorruidh,  cul  a  chur 
ris  a  mhaitheanas  a  tha  air  a  thairgsinn. 

II.  Cha  ruig  na  briathran  so,  mata,  & 
leas  eagal  a  chur  air  neach  sam  bith,  agus, 
gu  sonruichte,  cha  'n  'eil  aobhar  aca-san 
air  a  bheil  eagal  gu  'n  d'  thug  iad  toibheum 
do  'n  spiorad  Naomh,  a  bhi  ann  an  diobhal 
misnich.  Na  biodh  iad  an  dull  gur  peacadh 
diomhaireach  so  a  dh'  fhaodas  iad  a  chur 
an  gniomh  gun  fhios  daibh  fein,  no  gu'n 
d'  thug  iad  toibheum  'nuair  nach  robh  iad 
a'  ciallachadh  toibheum  a  thabhairt.  Cha 
'n  "e  iadsan  air  a  bheil  curani  anma  no  eagal 
breitheanais  a  tha  ciontach  do  'n  pheacadh 
so,  ach  iadsan  a  tha  gun  iomradh  air  Dia 
no  diadhaidheachd,  aig  a  bheil  coguisean 
maol,  is  eridheachan  cho  cruaidh  ri  creig. 
An  uair  a  theirear  gu  'n  do  pheacaich 
neach  an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimh,  cha 
'n  'e  a  thatar  a'  ciallachadh  gu  'n  do  rinii 
e  aon  gniomh  uamhasach  a  dliunas  a  mach 
o  throcair  e,  no  gu'n  do  labhair  e  faeal 
daua  no  ladarna  an  aghaidh  treas  BearsaL 
na  Trianaid  nach  gabh  maitheadh  dha,  ack 
gu  bheil  a  bheatha  uile  calg  dhireach  an 
aghaidh  na  firinn  's  an  t-soluis,  ag-us  gu 
bheil  e  caoin  shuarach  g-ed  tha.  Is  e  BO 
ail  diteadh  gu  'n  do  ghradhaich  daoine  an 
dorchadas  ni  's  mo  na  "u  solus,  a  chionu 
gu  'n  robh  an  gniomharan  olc.  Eoin 
III.  19.  Cha  'n  e  mhain  gu  'n  do  ghradh- 
aich na  Pharasaich  ud  an  dorchadas,  ^ch 
dh'  fhuathaich  iad  an  solus  's  an  neach  a 
thug  an  solus  'g  an  ionnsuidh  le  naimhdeas 
cho  guineach,  's  gu  'n  d'  fheuch  iad  ri 
thoirt  air  daoine  eile  a  chreidsinn  nach  ann 
bho  Dhia  a  tliainig  e  ach  bho  Shatan.  Thuit 
iad  cho  iosal  's  a  tha  e  comasaoh  do  mhac 
an  duine  tuiteam.  An  uair  a  dh'  fhasas 
duine  cho  olc  's  gu  bheil  guin  aige  do 
gach  ni  is  neach  a  tha  maith,  faodar  a  radh, 
le  firinn,  gu  bheil  e  air  a  bheo  ghlacadh 
le  peacadh  siorruidh,  agus  nach  faigh  e 
maitheanas  anns  an  t-saoghal  so  no  anns  an 
t-saoghal  a  ta  ri  teachd,  a  chionn  nach  'eil 
maitheanas  a  dhith  air.  Is  e  an  Spiorad 
Naomh  uglidair  gach  maith  agus  gach  maise 
agus  gach  deadh  obair  ann  am  beatha  nan 
creidmheach,  agus  ma  ni  neach  sam  bith 
magadh  air  toradh  na  diadhaidheachd,  no 
ma  chuireas  e  'na  cheart  deoin  breugan  air 
luchd-  aideachaidh,  air  ghaol  cron  a  dhean- 
adh  do  dh'  aobhar  an  t-soisgeil  is  na  firinn. 


4. 


4 


.j^ 


.1 

i. 

I 

I 


27 


tha  e  anil  an  staid  cliunnartaicli.  Cha  'n  e 
mliaiu  gii  bheil  e  a'  labliairt  an  agliaidli 
eo-clirentair,  acli  tha  e  labliairt  an  agliaidli 
an  Spioraid  Naoimh,  an  Solus  "s  an  Fliianuis 
a  thug  Dia  dha.  Tha  e  air  a  blieo  glilacadh 
le  spioraid  Shatain,  agus  ged  tha  e  fathast 
anil  an  cruth  duine,  tlireig  spiorad  an  duine- 
alais  e,  agus  tha  gach  iii  a  bhuineas  do  Dhia 
marbh  ann.  Faodaidh  e  bliitli  gii'n  tig  a 
leithid  sin  do  dhuiue  thuige  fein  uaireigin, 
agus  gu'n  dean  e  aithreachas ;  agus  ma  ni, 
glieibh  e  trocair  is  iiiaitheanas  o  Dhia.  Ach 
tha  fiosrachadh  ar  beatha  a'  teagasg  dhuinn 
nacli  'eil  an  seorsa  so  a'  deanamh  aithreacli- 
ais  ach  ainneamli,  agus,  am  bitheantas,  naeli 
'eil  iarraidh  aca  air  maitheanas  no  suim  do 
Dhia.  Tha  iad  cagin  shuarach  co  dhiu  a  tha 
iad  ann  an  reite  ris  no  nach  'eil,  agus  bidli 
am  peaeadh  a  rinn  iad  anus  an  t-saoglial  so 
oeangailte  riu  gu  brath,  a  chionn  gur  toigli 
leo  e,  agus  nach  'eil  iarrtus  aca  dealaehadh 
ris. 

III.  Cha  'n  'eil  iia  briathran  so  a'  cumh- 
annachadh  trocair  is  gradh  Dhe,  ach  tha  iad 
a'  toirt  rabhaidh  mu  'n  cliumhachd  eagallach 
a  tha  aig  a'  pheacadh  air  daoin  a  sgrios.  Is 
6  toil  Dhe  gu'ni  biodh  na  Ji-uile  &ir  an  tearn- 
adh,  agus  gu  'u  tigeadh  iad  gu  eolas  na 
firinn,  ach  clia  'n  iompaicli  e  duine  sam  bith 
an  agliaidli  a  thoile.  An  uair  a  tha  duine 
og,  's  a  tha  chridhe  gian,  's  a  tha  choguis 
maotli,  ciiiridh  am  peaeadh  amis  an  tuit  e 
dragh  air  inntinn,  air  chor  's  nach  bi  fois 
aigo  gus  au  iarr  's  am  faigli  e  maitheanas 
0  Dhia.  Aoli  rachadh  e  air  agliaidli  anus  a' 
pheacadh  fad  bhliadhnachan  agus  caillidh 
a  chridhe  a  ghloine,  's  a  choguis  a  maothal- 
aehd  air  chor  's  nach  cuir  e  dragh  sam  bith 
air,  agus  nach  duisg  aithreachas  ann.  Tha 
an  duine  ni  's  fhaide  air  falbli  o  rioghachd 
Dhe  na  bha  e  ami  an  laithean  oige,  cha  'u 
ann  a  chionn  gu'n  do  ghiorraich  lionmhoir- 
eaclid  a  pheacanna  trocair  Dhe,  ach  a  chionn 
gu'n  tug  am  peaeadh  bhuaith  iarrtus  lair 
Dia  's  air  uaomhachd.  Faodaidh  am  peaeadh 
tighiun  gu  leithid  de  dh'  ire  ann  am  beatha 
duine,  's  gu  bheil  e  dha  mar  aran  anma, 
aran  cho  niilis  "s  gu'n  diultadh  e  gach  biadli 
fo  'n  ghrein  air  a  sgatli.  An  uair  a  thuiteas 
duine  amis  an  staid  iosal  sin,  ciod  a"s  urr- 
ainn  Dia  a  radh  ris  ach — Tha  e  ceangailte 
ri  'iodlialan,  leigibh  leis.  Cha  tig  an  latha 
gu  brath  anns  an  diult  Dia  maitheanas  do 
neacli  a  ghlaodhas  ris  le  cridlie  briste  |is 
bruite,  ach  faodaidh  an  latha  tighinii  anns 
nach  iarr  am  peacach  trocair,  agus  am  bi  e 
Ian  thoiliclite  le  cuilihrioun  na  h-eucoir.  Do 
bhrigli  nach  eil  maitheanas  a  dhitli  air,  cha 


'n  fliaigh  se  e.    Is  e  siii  an  aon  pheacadh  a 

tha  siorruidh;   Gnu  gleidheadh  Dia  sinn  uile 

o'li   stad   bhronaich   sin,   agus    gu'n   deanadh 

e  glic  sin  an  am. 

Cuimhnicli  do   Dhia  an  laitliibh   t'   oig, 

Laithean    gun   bliron,    gun   dial, 

M'an   tig   na   bliadhnaidh   breoite,   tinn, 

'S  am  fas  air  t-inntinn  smal. 

M'an  tig  gu  airde  eruas  do  chridh' 

Grad-sgriobli  air  lagli   do   Dhia 

'S   do   Chruitli-fhear   cuimhnicli   fos   an   tras 

M'am  fas  tliu  aosmhor  liatli. 


CRONACHADH. 


Tha  duine  glic  ag  radh,  "  mar  ubhlan 
oir  aim  an  dealbhaibh  airgid,  tha  am  facal 
a  labhrar  gu  h-iomchuidh,  agus  mar  usgair 
de  'n  or  fhior-ghlan  tha  fear  cronachaidh 
glic  aig  duals  fhurachail."  Cha  'n  'eil  fios 
agaimi  gu  ro  mliaith  ciod  a  tha  e  fciallachadh 
leis  an  ifhacal  ubhctl  oir  ann  an  dealbh  airgid, 
ach  tha  e  coltach  gur  h-e  maise  anabarrach 
air  clior-eigin  a  bha  'n  a  bheadid;  mar 
gu  'n  abradli  e,  gu  bheil  iadsan  a's  urrainn 
cronachadh  le  gliocas  agus  ann  am  briathran 
ciuiu  cho  tearc  's  nach  coimeas  dliaibh  rud 
air  bith  ach   an   t-6r. 

Feumaidh  iadsau  a  tha  ann  an  ughdarras 
OS  cionn  feadhnadi  eile,  mar  tha  parantan 
is  maighstireau,  an  dleasdanas  so  ar  ghabhail 
OS  laimli,  agus  cronadiadh  a  thoirt  seachad 
an  drasd  's  a  rithist  mar  bhios  feum  air. 
Tha  cuid  de  dhaoine  ann  nach  'eil  uair  sam 
bith  air  an  doigli  cho  mhaitli  's  a  tha  iad 
an  uair  a  tha  iad  a'  faotainn  coire  do  neacli 
eile,  agus  a'  toirt  ruith  de'ii  teangaidh  dha. 
Cha  bhiodli  e  fior  a  radh  gur  droch  dhaoine 
iad  sin  uile,  no  gu  bheil  iad  an-iochdmhor 
is  cruaidh-diridheach.  Cha  'n  'eil  teagamh 
nach  'eil  cuid  dhiubli  'nan  daoine  crosda,  air 
chor  's  gu  bheil  an  canran  's  an  draochann 
cho  nadurra  dhaibli,  's  a  tha  snamh  do  'n 
tunnaig;  agus  tha  e  'na  fhaochadh  dliaibh, 
an  uair  a  bhios  iad  air  mhi-dhealbh,  ueach 
eile  a  ghortadiadh.  Ach  tha  feadhainn  eile 
aim,  gu  sonruiehte  na  boirionnaich,  a  bhios 
ri  canran  air  sgath  bruidhue,  agus  a  cliionu 
nach  'eil  rud  eile  aca  ri  radh,  agus  nach 
urrainn  dhaibh  a  bhi  'nan  tosd.  Cumaidh 
iad  suas  an  aon  ghearan  's  an  aon  dranndaii 
o  mhocli  gu  dubh,  ach  cha  'n  'eil  iad  'a' 
ciallacliadli  dad  leis.  Am  bitheantas,  is  ann 
air  ceann  na  feadhuach  a's  doolia  leo  a 
thuiteas  na  miu  fhrasan  truid  so.  Tha  e 
'na  fhaochadh  dhaibh  fein  a  bhi  bruidhinn 
's  a  bhi  faotainn  coire  do  gach  ni  is  neacli 
timchioll  orra,  agus   cha  dean  am  briathran 


28 


cron  dhaibhsaii  aims  am  bheil  iad  an  sas, 
ma  tlia  rud  beag  tuir  is  faigliidiii  aca.  Tlia 
moran  mhnathau  nacli  urrainn  tamh  a  leigeil 
le  'm  fear,  no  le  'u  cloinn,  no  le  'n  searWi- 
antan,  aon  mliionaid.  Is  e  sin  an  gne,  agus 
is  e  sin  an  doigli  air  inuseadh  gu  bheil 
suim  is  gradh  aca  dliaibh.  Ged  nacli  leig 
iad  asda  am  iiacal  fad  an  latha,  clia  ,'p 
aun  le  feirg  a  tha  iad  a'  bruidhinn,  's  tha 
gradh  is  eaomhalachd  'nan  cridhe  ged  tha 
'n  canran  air  am  bilean.  Gle  bhitheanta 
tha  an  seorsa  so  'nam  mathraichean  gaolach, 
agus  cho  mhaith  air  banas-tighe  's  gu'n 
aithnicliear  am  fir  anns  na  geatachan,  an 
uair  a  shnidheas  iad  maille  ri  seanairean  na 
tire.  Tha  gaol  mor  aig  an  cloinn  orra,  agus 
cha  trie  le  'n  searbhantan  am  fagail.  An 
uair  a  thuigear  nach  e  crosdachd  no  droch 
naduv  a  tha  toirt  orra  a  bhi  faotainn  coire, 
ach  gu  bheil  iad  ris  mar  fhasan,  agus  air 
sgath  bruidhne,  no  air  sgath  an  ughdarras 
a  ghleidheadh  aig  taobh  an  teallaich  fein, 
eisdear  riu  gun  ghruaim  gun  mhiothlaehd. 
Tha  dranndan  nam  boirionnach  so  "mar  oran 
duine  aig  am  bheil  guth  binn  agus  a  chluich- 
eas  gu  maith  air  inneal  eiiul,"  oir  ged  a 
dh'  eisdear  am  briathran,  cha  'n  'eilear  'gan 
cluinntinn. 

Tha  daoine  eile  ann  a  rugadh  le  nadur 
a"  mhaighstir-sgoile,  daoine  coire  a  tha  'n 
duil  gu  bheil  e  mar  fhiachaibh  orra  an 
coimhearsnaich  a  cliur  ceart,  agus  am  fail- 
innean  innseadh  dhaibh.  Tha  iad  cinnteach 
gu  bheil  iad  fein  anabarrach  glic,  agus  gu'u 
d'  thug  am  Freasdal  an  dleasdanas  dhaibh, 
daoine  eile  a  chomhairlicheadh.  Cha  'n  'eil 
e  duilich  leis  an  t-seorsa  so  coire  fhaotainn, 
no  neach  a  clironachadh  air  a  leis.  Am 
bitheantas,  is  daoine  cneasda  iad;  cha  'n  'eil 
olc  no  farmad  'nan  cridhe,  agus  cha  'n  ann 
air  ghaol  neach  a  ghortachadh  a  chronaich- 
eas  iad  e,  ach  air  ghaol  'amaideas  a 
nochdadh  dha.  Foadaidh  e  bhith  gu  bheil  e 
'na  ghreim  milis  d"  am  fein  speis  sin  a 
dhoanamh,  oir  ann  an  cronachadh  amaideas 
neach  eile  tha  iad  ag  ardachadh  an  gliocais 
fein,  ach  cha  'n  ann  air  a  shon  so  uile 
gu  leir  a  tha  iad  'ga  dheanamh,  agus  faod- 
aidh  e  bhi  gun  fhios  daibh  'gu  bheil  am 
fein  speis  air  a  seideadh  suas.  Mar  a's 
trice,  is  e  seann  daoine  a  bhios  ris  |in 
obair  so,  agus  tha  iacl  an  Ian  bheaehd  gu  'n 
rachadh  an  saoghal  's  na  tha  air  uachdar 
air  seacharan  gu  buileach,  mur  b'  e  na 
deagh  chomhairlean  a  tha  iad  fein  a'  toirt 
orra.  Ma  thachras  air  fear  dhiubh  so  brog- 
ach  a'  dol  do  'n  sgoil  's  gu  'n  abair  0 
ris,  lonnsaich  thusa  do  leasain,  a  laochain, 
'nuair     a     tha     an     cothrom    agad,     biclh     e 


anabarrach  toilichte  a  chluinntinn,  an  deigh 
laimhe,  gu  bheil  am  brogach  a"  faotainn 
air  aghaidh  anns  an  t-saoghal.  Their  p,. 
Is  ann  agam  a  bha  flos  gu  'n  deanadh  e 
sin,  ghabh  e  mo  chonihairle  agus  cha  (io 
dhichuimhuich  e  an  rud  a  thuirt  mi  ris. 
Ma  dh"  iarr  e  air  eoimhearsnach  a  chasan  - 
a  chumail  tioram  air  eagal  fuachd,  agus 
gu  'n  do  bhathadh  an  duine,  an  deigh 
laimhe,  crathaidh  e  a  cheann  agus  their 
e.  Dh'  aithnich  mi  mar  dh'  eireadh  dha, 
cha  ghabadh  an  duine  truagh  mo  chonihairle. 
Is  e  "n  fhirinn  nach  'eil  moran  dhaoine  a' 
gabhail  suim  do  chronachadh  no  do  chomh- 
airlean an  t-seorsa  so,  ged  tha  iad  fein 
an  duil  gu  bheil.  Tha  iad  'nan  daoine 
cneasda  ach  car  socharach,  ach  tha  e  ri 
radh  as  an  leth  gu  bheil  iad  cho  fialaidh 
le  'n  sporan  's  tha  iad  le  'n  comhairle, 
agus  gur  iad  a  'cheud  fheadhainn  a  chuir- 
eadh  an  lamh  'nam  poca  airson  banntrach 
an  fhir  a  bhathadh. 

Ach  a  dh'  aindeoin  ciod  a  ni  boirionnaich 
is  bodaieh,  tha  e  fior  nach  toigh  leis  a'  chuid 
a's  motha  de  dhaoine  neach  eile  a  chronach- 
adh no  bhi  faotainn  coire  dhaibhsan  air  a 
bheil  ughdarras  aca  Is  fhearr  leo  an 
suilean  a  dhunadh  air  chor  "s  nach  faic 
iad  na  tha  cearr,  agus  call  fhulang  seach 
bruidhinn.  Ma  dh'  fhaoite  naeli  moladh  so 
orra,  ach  is  e  'n  fhirinn  e.  Neo-ar-thaing 
nach  talaich  iad  os  iosal  agus  nach  bi  droch 
ghean  orra,  ach  is  fearr  leo  a  bhi  crosda 
fad  seachduinn  seach  aon  trod  a  dheanamh 
agns  fhaotainn  seachad.  Air  uairean,  tha 
iad  samhach  a  chionn  nach  eil  iad  cleachdte 
ri  ughdarras  no  ri  seirbhisich  a  bhi  fodhpa. 
Tha  cion  misnich  orra.  Leigidh  an  seorsa 
so  le  cui.sean  dol  air  an  aghaidh,  gus  an 
toir  fearg  misneach  dhaibh,  agns  an  sin 
bruidhnidh  iad  gu  searbh  agus  gu  salacli. 
Cha  bhi  fios  aca  ciod  a  tha  iad  ag  radh, 
agus  cha  clean  an  cronachadh  feum  do  neach 
beo,  oir  cha  bhi  e  a  reir  ceartais  no  caoimh- 
neis.  Ach  air  uairean,  tha  daoine  samhach 
an  uair  a  bu  choir  dhaibh  labhairt,  a  chionn 
nach  toigh  leo  neach  eile  a  ghortachadli. 
Tha  an  fhaireachduinn  sin  cliuiteaeh  dhaibh, 
ach  aig  a"  cheart  am,  tha  e  moran  ni  's 
cacimhneile  do  mhaighstir  a  sheirbhisich  a 
chronachadh  anns  an  aodann  agus  innseadh 
dhaibh  ciod  a  tha  cearr,  seach  a  bhi  gluasad 
nam  measg  gu  balbh  gruamach,  is  fios  aca 
gle  mhaith  gu  bheil  e  cho  cas,  crosda  ris 
na  dri.sean,  ged  nach  'eil  e  'gradh  diog.  Cha 
'n  'eil  sin  aon  oliuid  maith  dha  fein  no 
dhaibhsan.  Is  fhearr  aon  chronachadh  garg 
seach  sior  chanran. 


,4 


''i 
4 


'i 


4 


4 


Air    8. 


1910. 


FACAL  DUILICH. 


Ann  an  ereiid  nan  abstol  tha  aou  fhacal 
a  bhios  a'  cur  iongantais  air  moran — Chaidh 
e  nios  do  ifritin.  Ciocl  a  tha  am  facal  a'  ciall- 
achadli  ?  Faodar  ua  sg-riobtuirean  anus  a 
blieil  an  fliiriun  so  air  a  leagasg  a  tlioirt 
comlile.  :  — 

Air  dha-sau  so  a  roimh-fhaieiuu,  labliair 
e  jnu  aiseirigh  Cliriosd,  naeh  d'  fhagadli 
auam  ann  an  ifrinn  agus  nach  faea  fheoil 
truaillidheaclid.  Gniomh  ii.  31,  agus  Salm 
xvi- 

Oir  dli'  fhuiling  Criosd  fein  aou  uair  air 
son  pheacanna,  air  dha  bhi  air  a  chur  gu 
bas  'san  flieoil,  acli  air  a  bheothachadh  tre 
an  spiorad,  leis  an  deachaidli  e  mar  an 
coudna  agus  an  do  sliearmouaicli  e  do  ua 
spicradan  aun  am  priosau  ;  a  blia  o  shean 
eas-umlial,  'nuair  a  dli'  flieitli  fad-fliulan- 
gas  Dhe  ann  an  laithean  Noah: — /.  Pead. 
in.    18,   19,  20. 

Oir  is  ann  chum  ua  criclie  so  a  shearm- 
onaieheadh  an  soisgeul  dhaibh-san  a  tha 
marbh  mar  an  ceudna,  chum  gu'n  tugtadh 
breith  orra  a  reir  dhaoine  's  an  fheoil,  ach 
guin  biodh  iad  beo  a  teir  Dhe  's  an  Spiorad. 
I.  Pead.  iv.  6. 

An  taobh  a  macli  de  na  h-earannan  so, 
eha  'n  'eil  a'  bheag  air  a  radii  anns  a  Bhiob- 
ull  mu'n  fhirinn  a  tha  creud  nan  abstol  a' 
cur  anus  na  briathrau — chaidh  e  sios  do 
ifrinn. 

Tha  leabhar  aidmheil  na  h-eagiais  Shas- 
unnaich  ag  radh — Mar  fhuair  Criosd  bas 
air  ar  son,  agus  a  dh'  amhlaiceadh  e,feumar 
a  chreidsinn  mar  an  ceudna  gu  'n  deachaidh 
e  sios  do  ifriun,  oir  luidh  a  chorp  anns  au 
uaigh  gus  an  aiseirigh,  ach  bha  a  spiorad 
maillc  ri  spioradau  na  feadhnach  a  bha 
air  an.  glasadh  am  priosan,  no  ann  an  ifrinn, 
agus  shearmonaidli  e  dhaibh  mar  tha  Peadar 
a'    toirt   fianuis. 

Ann  an  leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh, 
creud  eaglais  na  h-Alba,  cha  'n  'oil  diog 
air  a  radh  mu  dhol  sios  Chriosd  do  ifrinn, 
's  cha  mho  a  tha  leabhar  aithghearr  nan 
ceist  a'  feuchainn  ri  solus  a  thilgeil  air  a" 
chuis 

Tha  briathrau  Pheadair  a'  togail  da 
cheist  :  — 

(1)  C  aite  an  robh  si^iorad  Chriosd 
eadar   a   bhas   is   'aiseirigh  ? 


(2;     Ciod  a  bha  e  deanamh  anns  an  aite 
sin  ? 

Feumar  a  chuimhneaehadh  naeh  'eil 
am  facal  ifrinn  a'  ciallachadh  ionad  na 
dbruinn  ach  staid  nam  marbh.  Ged  a 
thuirt  Calviu  gu'n  d'  fhuiling  Criosd  uile 
phian  agus  uile  thruaighean  ifrinn  'ua  anam 
fein,  air  cilia  bas  fhaotainn  air  son  a 
bhraithrean,  cha  ruigear  a  leas  Calvin  a 
chreidsinn.  Cha  do  bhlais  Criosd  plan 
ifrinn  Thuirt  e  ris  a'  ghadaiche  a  cheusadh 
maille  ris — An  diugh  bidh  tu  am  Parras 
maille  rium  -  sa.  Is  e  Parras  staid  uam 
marbh,  agus  is  aun  do'n  staid  sin  a  chaidh 
Criosd,  's  clia  'n  ann  do  ionad  na  doruinn. 
Tha  siun  an  duil  gu  bheil  moran  chreid- 
mheach  a'  tuiteam  ann  am  mearachd  a 
tliaobh  staid  na  feadhnach  a  dh'  fhag  an 
saoghal  so.  Their  iad  gu  bheil  na  naoimh, 
aig  uair  am  bais,  a'  dol  a  steach  do  ghloir 
agus  gu  bheil  na  h-eucoraich  a'  dol  (a 
steach  do  ifriun.  Ach  cha  'n  urrainn  siini 
sin  a  ghabhail  uile  gu  leir  mar  fhirinu. 
Ged  nach  'eil  an  solus  a  tha  againn  air  a' 
chuis,  mor,  agus  ged  nach  urrainn  duine 
labhairt  le  cinnt  air  cuspair  clio  dorcha, 
tha  aobhar  againn.  a  bhi  creidsinn  gu  bheil 
staid  mheadhonach  ann  anns  a  bheil  anma 
nam  marbh  a'  comhnuidh  eadar  uair  ,am 
bais  is  latha  bhreitheanais.  A  reir  an  doigli 
biuidhne  a  tha  aig  moran  dhaoine,  cha  'n 
'eil  a  ileithid  de  ui  is  aiseirigh  ann  idir.  Tha 
iad  an  duil  gu  bheil  anma  nan  naomh  a' 
dol  a  steach  do  neamh  gu  bhi  moladh  Dhe 
an  dearbh  mhionaid  a  dh'  fhagas  iad  an 
corp,  agus  ma  tha  sin  fior,  cha  'n  'eil  le 
furasd  a  thuigsinn  ciod  a  thatar  a'  ciallach- 
adh le  aiseirigh  no  le  breitheanas,  Nach 
'eil  esan  a  tha  moladh  Dhe,  's  'ga  fhaicinn 
aghaidh  ri  aghaidli  air  a  ghlorachadh 
cheaua,  agus  ciouuus  a  dh'  eireas  e  as  lir 
ann  an  la  na  h-aiseirigh,  no  ciod  am  feum 
breith  a  thoirt  air  ueach  a  tha  cheana  aun 
an  gioir  ?  An  uair  a  labhair  Criosd  ris  a' 
ghadaiche  mu  Pharras,  bha  e  ciallachadh, 
a  reir  ar  beaclid,  staid  air  chor-eigin  a 
tha  eadar  dhealaichte  o  nea.mh.  Cha  'n  'e 
Parras  is  neamh  an  aon  aite.  Chaidh  Criosd 
do  Pharras  an  deigh  dha  a  spiorad  a  thoirt 
seachad  air  a'  ehrann  -  ceusaidh,  ach  cha 
deachaidh  e  gu  deas  laimh  an  Athar  gu 
sia  seachduinnean  an  deigh  na  h-aiseirio^h. 
Ach    tha    gach    ni    a    bhuineas    do    ehaoo-hal 


30 


nail,  spiorad  auabarrach  dorclia,  agus  clia  'n 
'eil  moran  eolais  ri  fhaotaimi  blio  reusaii  no 
blio  na  sgriobtuirean.  Ach  a  dh'  aou  ni, 
faodar  a  blii  ciuuteacb,  nach  deacliaidli  an 
Slanuighear  do  ionad  na  doruinn,  agus  gur 
h-o  a  tha  am  facal  so  de  chreud  nan  abstol 
a'  ciallachadh,  gii'n  do  rinneadb  e  aims  na 
h-uile  nitliean  coltach  ri  bliraithrean,  agiis 
gu'n  do  ghiulain  e  an  oranncliuir  gu  ruige 
dol  a  steach  maille  riu  do'u  staid  anns  an 
teid  annia  iiau  uile,  aig  uair  am  bais.  Chois- 
rig  e  gaoh  ceuiii  de  'n  turns  gu  taobh  thall 
na   h-uagha. 

Ciod  a  rinn  Criosd  ann-  an  staid  nam 
marbh,  eha  "n  urrainnear  a  radh  ?  Tha 
Peadar  ag  radh  gu'n  do  shearmonaieh  e  an 
soisgeul  do  chuid,  ach  ged  a,  bhiodh  |e 
dalma  a  radh  nach  robh  an  sin  ach  smuain 
fhaoiii  a  dh'  eirich  ann  an  inntinn  Pheadair 
feiu  gun  ughdarras  sam  bith  o  Spiorad  Dhe, 
tha  bhriathran  a'  togail  iomadh  ceist  a  tha 
ni  's  fhasa  an  cur  no  am  fuasgladh.  An 
do  rinn  iadsan  a  ehual  an  soisgeid  air  taobh 
eile  na  h-uagha  aithreachas?  Am  faod  ath- 
arrsohadh  tigh'nn  air  neach  an  deigl)  a 
bhais  ?  Mur  do  rinn  agus  mur  gabh, 
ciod  am  feum  a  bh'  ann  do  Ciiriosd 
an  soiso-eul  a  sheavmonaeh.  Ag-us  mu 
shearmonaieh  se  e  do  chuid,  carson  nach 
do  shearmonaieh  e  do  na  h-uile  ?  Cha  'n 
uri-ainu  sinn  dol  a  steach  ann  an  uitheau 
diomhair  de  'n  t-seorsa  sin,  ach  is  e  ar 
beachd  fein  nach  do  cliuir  Peadar  an  smuain 
a  bha  'na  bheaclid  ann  an  doigli  shoilleir, 
cha  'n  ann  u  chionii  nach  robh  fios  aige  ciod 
a  bha  e  'g  radh,  ach  a  chionii  gu  "n  deach- 
aidli  amhladh  air  chor-eigin  'na  bhriathran 
an  uair  a  bha  e  feuchainn  ris  an  smuaiu 
a  se'riobhadh. 


AN  DUINE  COIR. 


Co  cl&n  trhiir  so  a  bu  choimhearsnach  dha- 
san  a  thuit  am  measg  an  luchd-reub- 
ainn. — Lucas,  x.  36. 
Air  do  losa  a  bhi  teagasg  ann  an  sion- 
agog  araidh,  dh"  eirich  fear-lagha  aig  deir- 
eadh  an  t-seainioin  agus  chuir  e  ceist  air. 
Cha  b'  ami  air  gliaol  solus  fhaotainn  a  rinn 
e  sin,  ach  bha  e  "n  a  sheorsa  de  phearsa 
eagiais  e  fein,  agus  bu  mbaitli  leis  a  dhear- 
bhadh  an  lathair  an  t-sluaigh  nach  robh 
teagasg  losa  fallan.  Ciod  a  ni  mi,  ars'  esan, 
chum  gu'n  sealbhaich  mi  a'  bheatha  mliair- 
eannach  ?  Tliuig  losa  gu  niaith  ciod  an 
seoi'sa  duine  a  bha  aige,  agus  an  aite  a 
fhreegairt,  tliuirt  e  ris — Ciod  an  seoladh  a 
tha  an  lagh  a'  toirt  dhuit  air  a'  chilis?  Tha 
an     lagli     ajj'     radh.     ars'     am     fear-lagha, 


Grndhaich  an  Tighearna  do  Dhia  le  d'  uile 
chridhe  agus  d'  uile  anani,  agus  do  choimh- 
earsnach mar  thu  feiu.  Dean  thusa  sin, 
tliuirt  losa  ris,  agus  bidli  a'  bheatha  mliair- 
eannach  'agad.  Cha  b'  urrainn  am  fear- 
lagha  a  radh  nach  robh  an  teagasg  so  fallan 
gu  leor,  ach  dh'  fheuch  e  car  eile  agns 
thulhairt  e,  Co  e  mo  choimhearsnach?  A 
reir  teagasg  nan  sgriobhaiehean,  cha  bu 
choimhearsnach  do  ludhach  ach  ludhach 
eile,  ach  bha  amliarus  aig  an  fliear  lagha 
gu'n  robh  teagasg  losa  na  b'  fharsiiiuge 
na  teagasg  nan  sgriobhaiehean,  agus  dh' 
fheoraich  e  a'  cheist,  an  dull  gu'm  biodh 
e  air  a  dhiteadh  as  a  bliilean  fein,  an  eisd- 
eachd  an  t-sliiaigli.  Ach  ehunnaic  losa  an 
ribe  a  chuir  an  drocli  sg'ealb  roimlie,  agus 
a)i  aite  a  fhreagairt  anus  an  doigh  a  bu 
nihaith  leis,  dh'  inni.'s  e  dha  an  naigheaehd 
a  leanas. 

Bha  duine  araidh  air  a  thurus  gu  lerieho, 
agus  air  dha  tuiteam  am  measg  luchd-ieub- 
ainii,  thug  iad  bhuaith  na  bha  aige,  rinn 
iad  droch  ghiullachd  air  a  chorp,  agus  tliilg 
iad  e  taQbh  an  rathaid,  leth-mharbh.  An 
ceauu  greis,  co  a  thainig  an  ratliad  ach 
sagart.  Mhothaich  an  sagart  do'n  rud  a 
bha  ri  taobh  an  rathaid,  ach  an  uair  a 
ehunnaic  e  nach  robh  ann  ach  diol-deirce 
truagh  anus  na  h-ospagan  deireannaeh, 
chuir  e  leud  an  rathaid  eatorra  is  gliabli  e 
seachad.  Air  sail  an  t-sagairt  thainig  Lebh- 
itheach,  agus  rinn  e  mar  an  ceudna.  Ach 
th8.cliair  gu'n  robh  Samaratanach  a'  gabhail 
an  rathaid  an  la  ucl,  agus  an  uair  a  ehunn- 
aic esan  droeli  cor  an  Jf'hir  a  bha  'na  shin- 
eadh,  gliabh  e  truas  dheth  agus  rinn  le 
cobhaiv  air.  Cheangajl  e  a  chreuchdan  agus 
ghabli  e  euram  dheth.  Co  de'n  triuir  ud, 
thuirt  losa  ris  an  fhear-lagha,  a  bu  choimh- 
earsnach dhasaii  a  thuit  am  measg  an  liichd- 
reubainn?  Chunnaic  am  fear  lagha  nach 
robh  ;feuiii  dha  an  corr  a  radh,  loir  bha 
coguis  is  tur  nadurra  ag  innseadh  dha  gu'n 
do  rinn  an  Samaratanach  gnionih  eaomhal, 
's  gu'n  do  rinn  na  seoid  eile  gniomh  narach. 
Aeli  cha  ruigeadh  an  droch  nadur  leis  an 
Samaratanach  aiumeachadh  air  a  cheann 
agus  is  e  thubhairt  e — An  ti  a  rinn  trocair 
air.  Imich  thusa,  thuirt  losa  ris,  agus  dean 
mar  an  ceudna. 

I.  Anns  a'  chosmhalachd  so  tha  losa  a' 
diteadh  inntinn  chumhann  nan  ludhach. 
Bha  iad  an  duil  nach  robh  suim  aig  Dia 
do  shluagh  ach  iad  fein  a  mliain,  agus  bha 
iad  air  an  seideadli  suas  le  uabliar  spiorad- 
ail.  Bha  iad  a'  sealltuinn  sios  le  tair  air  an 
coimhearsnaich,  agus  gu  souruichte,  air 
muiuntir  Slianiaria.  Blia  seann  g-hamhlas 
eatorra,    agus    ma    b"    fhior    na    h-Iudliaioh, 


1 


1 


I 


t'Sl! 


olia     robh      aims     na      Samaratanaicli      acli 
daoino       boil),       aineolach,        aiiuliadhairlli. 
Cliuireadli  e   i'earg  air  IiKlhaeli   nan  abairt- 
eadli    ris    gii'm    faodadh    fear    de    mhiiinntir 
■  Sliamaria    a    bl^i    elio    diadliaidh    ris    fhein. 
Acli    is   e   sin   an  dearbh   rud   a   tliiurt   losa 
ris   an   fhear-lag-ha   ag'us    ris   an   luchd-eisd- 
eachd   eile    anns   a'    chosmlialachd    so,    agiis 
chuir    e    an    fhirinu    m'    an    eoinneamli    air 
doigh    cho    genr    "s    clio    soilleir    's    naoli    b' 
urrainn  iad  a  radh  gu'm  b"  ole  a  labhair  e. 
Theagaisg  e  dhaibh  gu  bheil  an  diadhaidh- 
eaohd,  oolteeh  ris  a"  chairdeas.  mar  a  ehuniar 
i,  agus   b'   flieudar  dhaibb   aideachadh   nach 
robli  anns   an   t-sagairt,   a   bha    'na   pliearsa 
eaglais,    aeh    diu    nam    fear    lamh    ris    an 
t-Saniaralanacli    nach    robh    de    dh'    eaglais 
idir.    Gad  nach  'eil  an  cosmljalachd  ag  radh 
gu  'ni  b'   ludhacli  am  fear  a  blia  'na  oigiu, 
faodar  a   thuigsinn   gnr   h-e   Iiidhach  a   bha 
aim,   agus    tlia   sin    a'    deanamh    gniomh    na 
droch    caraid    a    ghabh    seacliad    air    na    's 
nnraiche.      Bha     duthchas     cbo     mhaith     ri 
diadhaidheachd    ag    iarraidh    orra    trocair   a 
noc'hdadh   do'n    duine,    acli    cba    do   leig   iad 
cm  gu'n  robli  lioinne  annta  de'n  aon  fhuil.  . 
Ma  dh'  aithuich  am  fear  a  bha  'na  shineadh 
gu'm  bu  Shamaratanach  a  bha  anns  an  treas 
fear  a  bha  tighinu  air  an  rathad,   theireadh 
e   ris   fein    nach    b"e   sin    cobhair    nan    geas, 
's   nach   ruigeadh   e    leas   fiuthair   a   bhi   air 
gu'n  tugadh   e   comhnadh   dlia.    Ach   cha   b' 
aun  mar  sin  a  bha.    Rinn  an  Samaratauach 
loui  is   direach   air;    bu   choma   leis   co   dhiu 
a  bh'  ann  coigreach  no  fear-cinnidh,  chunn- 
aic  e   gu  'n   robh   e    'na   eigin,    agus   rinn   e 
gu   h-uasal    ri    uambaid.     Cha    b'  urrainn    e 
bhith    nacli    tuigeadh    am    fear   lagha    's    ua 
h-Tudhaich    eile    a    bha    anns    an   ,t-sionagog 
an  la  ud  gur  h-e  a  bha  Criosd  a'  ciallachadh 
gur    elanu    Dhe    iadsan    uile    anns    a    bheil 
spiorad  a'   ghraidh,   co   dhiu  is   ludhaich   no 
Greugaich    no    Samaratanaich    iad.      Chron- 
uich   e    an    cumhannachd,    agus    theagaisg   e 
dhaibh  an  fhirinu  air  an  d"   thainig  Peadar 
thairis  an  deigh   laiinhe,  firiiin   a   dh'  ionns- 
aich    e    o    losa    fein — Clia    'n    'eil    Dia    ia,g 
amharc  air  pearsa  seacli  a  elieile,  ach  aims 
gach    uile    chiimeach    tha    an    neaeh    air    a 
bheil  eagal-san,   agus   a   tha   'g   oibreachadh 
fireantachd,   taitneach  leis. — Gniomh.    x.    34. 
II.    Is    e    spiorad    a'    ghraidh    fianuis   /ua 
diadhaidheachd.     Is    aim   o    Dhia    a    tha    an 
gradli;    agus    gach    neach    a    ghradhaicheas 
glimeadh  o  Dhia  e  agus  is  aitlme  dha  Dia. 
/  Eoin.   iv.   7.    Ged  nach  d'  thubhairt    losa 
gu'm.  bu  chealgairean  an  sagart  's  an  Lebh- 
itheach,    leig    e     le     a    luchd  -  eisdeachd    a 
thuigsinn   nach    robh   annta    aeh   luelid    aid- 
aideachaidh    aig'    an    robh    eoslas    na    diadli- 


aidheach    gun    a   cumhachd,    agus    ged    nach 
d'    thubhairt   e   gu'n    robh   an   Samaratauach 
eoimhlionta,    leig    e    leo    a    thuigsinn    gu    'n 
lobh    caomlialaclid    is    gradh    an    duine    tait- 
neach  am   fianuis    Dhe.     Cha   robh   teagamh 
sam    bith    aca    nach    robh    an    sagart    's    an 
Lel.hitheach  'nan  daoine  diadhaidh;   bha  iad 
a'   eoimhead  an   lagha  a  reir  an   soluis,  bha. 
iad  eudmhor  ann  an  seirbhis  Dhe  ag-us  o-lan 
'n    an    c|iitheamb    beatba,    ach    bha    iad    as 
eugmhais   spiorad   a'    ghraidh    's    na   caomh- 
alaohd,  agus  a   ehionn   gu'n   robh,   cha   robli 
annta    ach    crionaichean    gun    sugh    aim    am 
fion  lios  Dhe.    Tha  e  furasda  gu  leer  eoire 
fhaotainn    do'n     t-seorsa,     diadhaidheachd    a 
ehrrnaich  an  Slanuighear  aim  am  briathran 
garg  an  uair  a  l)ha  e  air  thalamh,  agus  ar 
n-aonta  a  ohur  ris  a  li-uile   facal   a  labhair 
e  an  aghaidh  luchd  aideachaidh  aig  an  robh 
an    t-ainm    gun    an    tairblie,    ach    bhiodh    e 
moraii   na   b'    fhearr   dluiinn   srauaineacliadh 
ciod  a  theireadh  e  ruinn   fein  agus  ri  buill 
eilo  na  h-eaglais,  n'an  tigeadh  e  air  ais  an 
diugli.     Nach    faod    e    bhith    gu'n    abradh   e 
ruiim  a'  cheart  rud  a  tliuirt  e  ris  na  Phar- 
a.saich,    agus    g'u'n    racliadh    e    an    taobh    a 
mach   de'n   eaglais   a   dh'    iarraidh   nam   fior 
Chriosduidhean.     Tha   siun   an    dochas    nach 
'eil  sinn  'g  ar  mealladh  fein  die  buileach  's 
a  bha  na  Pharasaich,  ach  tha  eachdraidh  an 
t-saoghail    a'     teagasg    dhuinu     gu    bheil    e 
furasda   do'n   eaglais   tuiteam   air   falbh   blio 
iimtinn  Chriosd  agus  cudthrom  a  leagail  air 
nithean  a  l)ha  suarach  'na  bheachd-san,  agus 
na   nithean   air   an  do   chuir   esan    cudthrom 
a  clhichuimhneachadh.    Bha  aon  ni  a  theag- 
aisg Criosd  do  na  deisciobuil  gun  sgur,  agus 
is   e   sin,   gu   bheil  daoine   trocaireach   dluth 
do    rioghachd     Dhe,    agus    daoine     cruaidh- 
chridheach   fad   air   falbh   uaipe.     Theagaisg 
e   an   fhirinu   sin   dhaibh   an   iomadh   doigh, 
ach  gu  sonruichte,  le   bheatha  's  le   ghiulaii 
fein.      A    reir    iimtinn    Cliriosd,    is    e    cion 
caomhalaehd    is    truaeantais    an    combaradh 
a's  cinnticlie  nach  'eil  cuid  no   pairt  aig  an 
duine    ann    an    rioffhachd    nan    a'ras,    's    ii'u 
bheil   e    air   a    riaghladli    le    spiorad    olc   on 
t-sacghail,    's    cha    'n    aun    le    spiorad    Dhe. 
Cumar    comanaehadh    bho    dhaoine    air    a.m 
facas    daorach,    's    bho     dhaoine    nach     teid 
clo  'n     eaglais,     ach     an     cumar     daoine     o 
chomaiiachadh      a      chionii      gu      bheil      iad 
sanntach    is     an-iochdmhor     is    fuar-chridh- 
eaoh?    Faodaidh  gur  h-e  an  reusan,  ann  an 
tomhas     co-dliiu,    gu    bheil    e    ua    's    fhasa 
do'n    eaglais    peacaima    na    feola    a    cbomh- 
arrachadh  seach  peacaima  na  h-inntinu;   ach 
nar^i   faodar   a   radh   cuideaehd   gu   bheil   an 
eaglais    a'    meas    gur    miosa    neo-stuamachd 
no    sannt,    's    gur    miosa    peacaima    cuirji    no 


3i! 


peacanua   ciidhe.     Cha   'n   ann   o_  Chriosd   a 
fhuair    an    eaglais    am    beachd    eiu    ach    on 
t-saog-lial.    Cha  'n  'eil  sinn  a'   g-abhail  leth- 
sgeul  nan  drongairean  le  so  a  radii,  ach  tha 
siiin    a'    feuchaiun    ri    aire    ar    luchd    leugh- 
aidh  0.  tharruing  a  dh'  ionnsuidh  na  firinn, 
gu'n  robh  an  Slanuighear  eaomh  fichead  iiair 
na  ba  truime  air  peacanna  na  h-inntinn  no 
bha  e  air  peacanna  na  feola.     Las  a  chorr- 
uicli    ann    an    doigh    eagallach    an    aghaidh 
uabhar  is  sannt  is  fein  speis  is  cruas-eridhe 
is    neo  -  chaomhalachd,   agiis    thuirt    e    gu'n 
rachadh  eadlioin  na  cis-mhaoir   a  steach  do 
rioghaehd  Dhe   air  thoiseach  air  luchd   aid- 
eachaidh    de'n     t-seorsa    so.      Ann     an    aon 
seadh,    tha    sinn    uile    a"    creidsiun    so,    agus 
aidichidh  sinn   gur   ceart  a'   bhreith   a   thug 
an  Slanuighear  air  a  luchd  duthcha  ann  an 
laitbean  fheola,  ach,  ann  an  seadh  eile,  tha 
sinn  a    dol  calg-dhireach  an  aghaidh   innt- 
inn-san,  agus  duinidh  sinn  dorus  na  riogh- 
aehd   an   aghaidh    an    t-Samaratanaich   anns 
a  bheil  failinnean,    ged  a  dh'   fhosglas  sinn 
6  do  dhaoine  fuar-chridheach  anns  nach  'eil 
aon   bhoinne   de    spiorad   a'    ghraidh.     Coma 
leam,    ars'    Iain   Wesley,    beachdan    no    aid- 
mheil  duine,  faiceam  a  ghradh  is  toradh  a' 
ghraidh  'n  a  bheatha:     Faodaidh  duine   dol 
do    neamh   gun   bheachdan,    ach    cha    teid   e 
ann   gun  ghradh.     Ged  labhrainn,   arsa   Pol, 
le  teangaibh  dhaoine  agus  aingeal  agus  gun 
ghradh   agam,   cha   'n   'eil   tairbhe   sam   bith 
dhomh  ann.     Cha  'n  "eil  ann  an  diadhaidh- 
■eachd   gun   ghradh   ach   plaosg   gun   bhiadh. 
Faodaidh    iomadh    failinn    a    bhi    ceangadte 
ri    duine,    ach    ma    tha    trocair    is    io(!hd    is 
caomhalachd     is     gradh     'na     chridhe,     tha 
tomlias    de    S]3iorad    Chriosd    air    a    ghiulau, 
ao-us  esan  aig  nach  'eil  spiorad  Chriosd,  clia 
bhuin  e  dha.    Ciod  a  theirear  ri  luchd  aid- 
eachaidh    aig    a    bheil    cridheachan    cruaidh, 
an  -  iochdmhor,      daoine       fuar,     greannacdi, 
sauKtach,  nach  cuireadh  iad  fein  mu'n  cuairt 
air    son    neach    fo    'n    ghrein— ciod    ach    gu 
bheil    iad   eu-coltach    ri    am   Maighstir.     An 
iiair  a   thig  latha  na  h-eigin  air   an  coimh- 
«arsnach,    cha    'n    ann    orra-san    a    bheir    e 
'aghaidh    ach    air    an    t-Samaratanach.    Ged 
their    e    riu-san   daoine    iompaichte,    's    nach 
abair    e    ris    an    t-Samaratanach    ach    duine 
coil',  tha  fios  aige  gle  mhaith   c'aite  a  bheil 
a'    chaomhalachd    's     an     caoindmeas     's    an 
o-radh.    Is  ann  air  an  toradh  a  dh'  aithnich- 
lar   ereidmhieh,   agus   cha   bhiodh   iougantas 
sam  bith  ged  chuireadh  an  saoghal  an  creid- 
imh    an    suarachas,    ma    gheibli    bochdan    is 
truaghain     barrachd     caomhalachd     bho    na 
peac'aich      na      gheibh      na      naoimh.      Tha 
e      fior      nach      ann      le      fialaidheachd      a 
laimhe      a      thearnas      duine      'anam,      ach 


tha  e  fior,  mar  an  ceudna,  gur  toigh  le 
Dia  an  neach  a  bheir  seachad  gu  suilbhir, 
agus  an  neach  a  chuidicheas  le  cho-chreut- 
airl,  a  reiji-  a  chbmais.  Mur  bean  trioblaidean 
is  acras  is  duileadasau  dhaoine  eile  ri  ar 
cridheachan,  tha  an  Ian  am  againn  isinn 
fein  a  cheasnachadh  feuch  an  aithne  dhmnn 
idir  spiorad  Chriosd.  An  ti  nach  gradhaich 
a  bhrathair  a  chunnaic  e,  cionnus  a  dh' 
fheudas  e  Dia  nach  fac  e  a  ghradhachadh  ? 
/  Eoiii  iv.  20. 

III.    Ged   nach   robh   e   am   beachd   an   t- 
Slanuigheir     a     dheanamh,     tharruing     e     a 
dhealbli  fein  anns  a'  chosmhalachd .    Is  esan, 
da-rireadh,    an     Samaratanach     maith,    agus 
cha    'n     'fhaighear     gu    brath     coimeas     a's 
fhearr    no    am   facal   so    air    caomhalachd    is 
gradh     Chriosd,       Bithear,    air    uairean,    &,' 
bruidhinn  mar  nach  V   ann  de  'n  aon  ghne 
a  tha  gradh  Chriosd  is  gradh  duine.    Cha  'n 
'eil  sin  fior.    Tha  an  gradh  de  'n  aon  ghne, 
CO  dhiu  a  gheibliear  air  neamh   no  air  tal- 
amh  e.    Is  e  an  aon  dealachadh  a  tha  eadar 
gradh   Chriosd  is   gradh  an  duine,   gu  bheil 
gradh    Chriosd    na    's    farsuinge,    a'    gabhail 
a    steach    an    t-saogliail    gu    leir,    's    a'  toirt 
tiodhlacan    d'a     naimhdean    cho     mhaith    ri 
chairdean.     An    uair    a    bhios    neach    air    a 
o-htuasad,  le  truacautas  is  iochd,  gu  eobhair 
a    dlioauamh    air    neach    eile    a   tha    ann    an 
(h-och  staid,  tha  a'  cheart  ghradh  'na  chridhe 
a    ghluais    Criosd    gu    teachd   do'n   t-saoghal 
so  ^chum     ministreileachd    a     dheanadh    d'a 
bhraithrean.    Chuidich  e  leo-san  a  bha  ann 

ri 


an    teinn,    bha    chluas    daonnan    fosgailte 
glaodh  gearain,   thug  e   misneach   dhaibhsan 
a  l)ha  call  an  neart,  agus  rinn  e  bron  maille 
riusan  a   bha   tursach.     Cha  b'   ann   a  throd 
ri  peacaich  a  thainig  e,  ach  'g  an  tearnadh  ; 
charobh  dad  de  nadur  an  t-sagairt  ann  ach 
moran    <le    nadur    an    t-Samaratanaich,    agus 
is    e    sin    a    thalaidh    daoine    'ga    ionnsuidh. 
Dh.'    fhuiling    e    sgios    is    magadh    ann  _  an 
seivbhis    a    bhraithrean,    aoh    cha    do    sgith- 
ich  a,  ghradh;    thug  e  dhaibh  na  bha  aige, 
agui    mu   dheireadh    thug    e    seachad    anam 
air  an  son.  An  urrainn  neach  crioch  a's  aii'do 
a    chur    roimhe    'na    Idieatha    no    eisimpleir 
an  t-Slanuigheir  chaoimh  a'  leantuinn,  agus 
a  Idii  caomhal,  blath  chridheach  is  gradliach 
mar    bha    esan?     As    eugmhais    nan    grasan 
sin   bidh    ar    naomhachd    gun    mhaise.     Tha 
eadav     dhealachadh     eadar    creidmheach     is 
creidmheach    a    thaobh    naomhachd,    's    tha 
eadar     dhealachadh      eadar     naomhachd     is 
naomhachd    a    thaobh    gloire,    ach    is    e    an 
naomhachd    a's    airde    an    gradh.       Tha    an 
naomhachd  sin  mar  ubhal  oir  ann  an  dealbh 
airo'id. 


Air   9 


1910. 


LA    AN    TIGHEARNA. 


Gun  bhi  leigeadh  dhinn  siiin  feiii  a  chrtiimi- 
eachadh  an  ceann  a  cheile: — Eabh  x.  25 


Ann  an  litir  a  bha  air  a  sgriobliadh  anns 
a'  bhliadhna  110,  tha  e  aiv  a  radh  g-u'n  robh 
e  !mar  clileachdadla  aig  na  Criosdiiidhean 
cruinneacliadh  conihla  air  la  sonriiiobte  chum 
laoidbean  a  sheinii  agiis  aoradh  a  dheanamh 
do  Chriosd,  agiis  chum  am  boidean  a  thabh- 
airt  g'u  'n  seachnadh  iad  olc.  Bha  an 
cleaohdadh  so  iomchuidh  ann  fein,  agus  blia 
e  mar  an  ceudna  'na  fhianuis  do'n  t-saogiial 
air  creidiinh  is  dilseachd  na  feadhnach  a 
bha  'ga  chumail  suas.  Ach  tha  e  coltach 
gu'n  robh  cuid  de  Chriosduidhean  nach  robh 
cho  eudmhor  ri  each  a'  deanamh  dearmad 
air  dol  do  na  eoinneamhan  ud,  agus  is  ann 
chum  iad  sin  a  bhrosnuchadh  gu  eisimpleir 
ohaich  a  leantuinn  a  labhair  an  t-abstol 
na  briathran,  JS'a  leigihh  dhibh  sibh  fein  a 
chruimieachadh  an  ceann  a  cheile,  agus  gu 
ma  moid  a  ni  sibh  so,  do  bhrigh  gu  bheil 
sibh  a'  jaicinn  an  la  a    tarruing  am  fagus. 

Bu  mhaith  leinn  facal  no  dha  a  radii 
anus  an  aireamh  so  air  dleasdanas  luchd 
aideachaidh  a  thaol)h  na  Sabaid  agus  tigh- 
aoraidh  ran  Tighearna.  Ach,  an  toiseach, 
faodiar  beag-an  iomraidli  a  dheanamh  air 
an  doigh  anns  an  robh  la  an  Tighearna  air 
a  choimhead  leis  na  ceud  chreidmhich.  B' 
anil  do'n  chreidinih  ludhach  a  bhuineadh 
na  h-abstoil,  agus  am  feadh  'sa  bha  iad 
fo  'n  lagh,  bha  iad  a'  toirt  umhlachd  do'n 
lagh,  agus'  a  coimhead  nan  laithean  's  nam 
feiltean  's  nan  gnathannan  a  bha  sgriobhta 
's  an  lagh.  Ach  an  uair  a  thaiuig  na  cinnich 
nach  robh  a'  toirt  geill  do  lagh  nan  ludhach 
a  steaeh  do  'n  eaglais,  b'  fheudar  do  na 
h-abstoil  fheoraicli  dliiubh  fein  an  robli  e 
feumail  no  iomchuidh  gnathannan  nan  ludh- 
acli  a  cheangal  mu  amhaichean  nancinneach. 
Bha  cuid  de  na  h-abstoil  leis  am  bu  mhaith 
sin  a  dheanamh  a  chionii  gu'n  robh  taobh 
bhlath  aca  ris  a'  chreidinih  anns  an  do  thog- 
adh  iad,  ach  bha  cuid  eile  dhiubli  nach  robh 
a'  faicinn  gu'n  robh  feum  sam  bith  ann. 
Bha  ail  t-abstol  Pol  Ian  chinnteach  nach  b'e 
toil   Dhe   gu'n  sparradh  an  eaglais   Chriosd- 


uidh  eleachdaniian  ludhach  air  a  buill,  agus- 
gu  fortannach  do  dh'  aobhar  an  t-soisgeil 
anns  an  t-saoghal,  ghabh  each  a  chomhairle- 
agus  thug  an  eaglais  saorsa  do  na  creidmhich 
bho  lagh  nan  ludhach.  Chunnaic  Pol  gu 
soilleir  nach  biodh  ann  ach  ath-phillefidh 
gu  'daorsa  an  lagha  nan  iarradh  e  air  na 
cinnich  laithean  agus  aimsirean  a  clioimhead,. 
agus  uime  sin,  thuirt  e  riu,  Seasaibh  gu 
daingean  anns  an  t-saorsa  leis  an  do  rinn 
Criosd  saor  sinn,  agus  na  bithibh  a  ris  air- 
bliur  cuiblireachadh  le  cuing  na  daorsa. 
Thug  e  dhaibh,  ann  an  ainm  na  h-eaglais, 
saorsa  bho  thimchioll-a-hearradh,  ag-us  thuer 
e  dhaibh  mar  an  ceudna  saorsa  o  lagh  na 
Sabaid.  Am  measg  nan  ludhach  bha  au 
t-Sabaid  air  a  coimhead  mar  latha  ro-naomh. 
Nan  tug-adh  duine  ur'rani  do'n  Shabaid, 
chuireadh  sin  foluch  aii;  moran  pheacauna- 
eile.  Ann  an  aon  fhacal,  rinn  na  sgriobh- 
aichean  iodlial  do'n  t-Sabaid,  agus  chuairtich 
iad  i  le  uinead  de  riaghailtean  's  gu'n  d" 
fhas  i  'na  h-uallach  do'n  t'sluagli  an  aite- 
bhi  'na  sochair  dhaibh.  Cha  'n  e  mhain  gu'ii 
robh  e  peacach  treabhadh  is  bualadh  arbhair 
a  dheanamh  air  la  na  Sabaid,  ach  a  reir 
teagasg  nan  sgriobhaichean,  cha  'n  fhaodadk 
duine  larach  a  dheanamh  air  an  talaiah  le 
chois  no  le  bhata  air  eagal  riaghailt  an 
treabhaidh  a  bhriseadh,  's  cha  'n  fhaodadh 
e  dias  arbhair  a  shuathadh  'na  bhois  air 
eag-al  'riaghailt  a'  bhualaidh  a  bhriseadh. 
Cha  robh  maith  do  tliailleir  snatliad  a 
ghiulan  na  plioca,  no  do  sgriobhaieh  peana 
air  la  na  Sabaid.  An  deigh  aiseirigli 
Chriosd,  an  uair  a  chuireadh  air  chois  an 
eaglais  Chriosduidh,  leig  na  li-abstoil  's  na 
Creidmhich  na  seann  nithean  sin  seachad, 
agus  tha  e  coltach  nach  robh  iad  am  beachd 
gu'n  robW  e  mar  fhiachaibh  orra  an  t-Sabaid 
ludhach  a  choimhead.  Cha  'n  'eil  e  fior  a 
radh,  ma  ta,  gu  bheil  daimh  sam  bith  eadar 
Sabaid  nan  ludhach  agus  la  an  Tighearna 
a  tha  an  eaglais  Chriosduidh  a'  coimhead  a 
nis,  no  gur  h-e  an  aon  ni  a  tha  annta  ach 
a  mhain  gu'n  deachaidh  an  la  atharrachadli 
0  dheireadh  gu  toiseach  na  seachduinn.  Cha 
'n  'eil  buintealas  sam  bith  aca  ri  cheile, 
agus  am  measg  nan  seann  nithean  eile  a 
chuir  soisgeul  Chriosd  air  cliul,  cliuir  e  air 


34 


■chul  an  t-Sabaid.  Stad  na  h-abstoil  do  bhi 
'ga  eoimhead,  agus  thug  iad  cead  do  na  ceud 
■clireidmhich  stad  mar  an  ceudna.  Ach  ma 
stad,  chvur  iad  rud  eile  'na  h-ait-e.  Bha  e 
mar  chleachdadli  aoa,  an  toiseach,  coinneach- 
^dh  chum  aoradh  a  dheanamh  comhla  air 
■co-ainm  an  la  air  an  d'  eirieh  Criosd.  Cha 
robh  iad  a'  gleidheadh  an  latha  uile,'  naomh, 
''s  cha  mho  a  bha  iad  a'  stad  d'  an  obair. 
Chruinnicheadh  iad  trath  anns  a'  mhaduinn, 
-agus  an  uair  a  bha  an  aoradh  seachad,  rach- 
-adh  iad  air  an  ais  gu  'n  obair.  Fad  iomadh 
"bliadhna  an  deigh  do  la  an  Tighearna  a 
bhi  air  a  chur  air  chois  air  eon  aoraidh,  cha 
.r«bh  e  air  a  choimhead  mar  la  fois,  ach  ri 
i-uine  chunnaic  an  eaglais  gu  'm  biodh  e 
buannachdail  do  bheatha  spioradail  a  sluaigh 
nam  biodh  aon  la  anns  an  t-seachduinn  air 
-a  ghleidheadh  saor  is  obair  is  nithean  saogh- 
■aAt'O,  's  air  a  clioisrigeadh  gu  h-iomlan  do 
nithean  spioradail  is  fois  cuirp.  Cha  robh  e 
furasda  so  fhaotainn,  oho  fad  's  a  bha  iomp- 
-airean  air  a'  chrun  aig  nach  robh  suim  do'n 
t-soisgeul,  ach  ri  linn  Chonstantine  rinneadh 
lagh  gu  'm  biodh  margaidhean  is  ciiirtean 
lagha  air  an  dunadh  air  la  an  Tighearna, 
agus  uidh  ar  n-uidh,  chaidh  stad  a  chur  air 
gach  seorsa  oibre  agus  fois  a  thoirt  do  'n 
t-sa«ghal  Chriosduidh  uile  air  a'  cheud  la 
-de'p  t-seachduinn.  Cha  'n  e  lagh  Mhaois, 
ma  ta,  ar  n-ughdarras  air  son  la  an  Tighearn 
-a  choimhead  gu  h-iomchmdh,  ach  an  Eaglais 
-a  chuir  an  Tighearn  e  fein  air  chois  air 
thalamh  agus  d'  an  d'  thug  e  tiodhlac  an 
Spioraid  Naoimh.  Tha  sinn  a'  creidsinn  gu 
bheil  an  Spioraid  Naomh  a'  comhnuidh  anns 
An  Eaglais  chum  a  treorachadh,  agus  an  uair 
A  tha  'n  eaglais  choitchionn  le  aon  ghuth  ag 
■earalachadh  air  a  cloinn  cleachdadh  son- 
ruichte  sam  bith  a  leantuinn,  tha  sinn  an 
<luil  nach  ruig  iad  a  leas  ughdarras  a's  airde 
iarraidh.  Is  e  an  eaglais,  co-chomunn  nam 
iior  chreidmheach  air  feadh  an  t-saoghail 
^u  leir,  agus  saoilidli  sinn  nach  bu  ehor  do 
-dhreidmheach  sam  bith  a  bheachd  fein  a 
-chur  an  aghaldh  fiosrachadh  na  h -eaglais 
-choitchinn  no  cleachdadh  sam  bith  d'  an  d' 
thug  i  a  h-aonta  a  chur  an  suarachas. 

Tha  la  an  Tighearna  'na  bheannachd  do 
■chorp  's  do  shlainte  an  duine  cho  cinnteach 
's  a  tha  e  'na  bheannachd  d'a  anam.  Tha 
feum  aig  duine  is  ainmhidh  air  fois.  Cha  'n 
'eil  fceagamh  nach  'eil  moran  dhaoine  cho 
gionach,  saoghalta  agus,  mar  an  ceudna, 
flho  beag  suim  do  dhiadhaidheachd  's  nach 
leigeadh  iad  Jeotha  fein  no  le  'n  seirbhisich 
latha  fois  a  ghabhail,  mur  b'e  lagh  na  riogh- 
achd  is  gnaths  nan  creidmheach  a  tha 
'    timchioll   orra.     Is   maith   do   na   daoine   sin 


nach  ruigear  leo  an  toil  a  dheanamh,  agus: 
gu'm  feum  iad  an  obair  a  chur  as  an  laimh 
agus  leigeil  leis  na  daoine  a  tha  f odhpa 
urram  a  thoirt  do  la  an  Tighearna,  eo  dhiu 
a  bheir  iad  fein  urram  dha  no  nach  toir.  Ach 
cha  ruig  sinn  a  leas  an  corr  a  radh  air  an 
taobh  sin  de'n  chuis.  Thug  sinn  tarruing 
air  a'  ghnothuch  chum  facal  an  abstoil  a^ 
chur  an  cuimhne  ar  luchd-leughaidh,  agus 
earalachadh  orra  gun  dearmad  a  dheanamh 
air  aoradh  follaiseach  air  la  an  Tighearna. 
Is  ann  air  son  aoradh  Dhe  a  chaidh  la  art 
Tighearn  a  chur  air  chois  an  toiseach,  agus 
saoilidh  sinn  nach  h-urrainn  fear  aideach- 
aidh  sam  bith  an  la  a  chur  seachd  ann  an 
doigh  iomchuidh,  mur  toir  e  pairt  dheth 
thairis  do  dh'  aoradh,  agus  le  h-aoradh  tha 
sinn  a'  ciallachadh  aoradh  follaiseach  tigh 
an  Tighearna.  Cha  'n  e  mhain  gu  bheil 
dearmad  air  tigh  an  Tighearna  'na  dhroch 
cleachdadh  am  fianuis  dhaoine,  ach  tha  e  'na 
chomharra  cinnteach  air  marbhantachd 
spioradail.  Ged  a  tha  iomadh  cealgair  a' 
dol  do  'n  eaglais  da  uair  a  h-uile  Sabaid, 
agus  iomadh  duine  maith  nach  teid  innte 
idir,  tha  e,  mar  an  ceudna,  fior,  an  uair  a 
sheallar  air  a'  chuis  ann  an  doigh  fharsuing, 
gur  h-e  na  daoine  aig  a  bheil  suim  do  Dhia 
's  d'a  fhirinn  a  chithear  anns  an  eaglais, 
agus  gur  h-e  iadsan  aig  nach  'eil  suim  do 
nithean  spioradail  a  dh'  fhanas  aisde.  Cha 
chord  e  ri  moran  dhaoine  so  a  radh,  ach 
is  firinn  e.  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  'eil 
duine  an  sid  's  an  so  a  tha  Ian  de  spiorad 
na  diadhaidheachd,  ged  nach  faicear 
bitheanta  e  ann  an  tigh  aoraidh,  ach  cha 
'n  'eil  na  daoine  sin  idir  cho  lionmlior  's  a 
tha  tar  an  dull.  Cha  b'aithne  dhuinn  riamh 
moj-an  de  dhaoine  diadhaidh  aig  nach  robh 
gradh  do  thigh  an  Thighearna,  agus  iarrtus 
air  dol  ann  cho  bitheanta  's  a  bhiodh  coth- 
rom  aca.  Tha  a'  ehuid  a's  mo  tha  de  na 
feadhainn  a  tha  deanamh  dearmaid  air,  a' 
deanamh  sin  a  chionn  nach  d'  fhuair  iad 
riamh  bias  air  nithean  spioradail.  Is  iad  so 
na  daoine  a  their  gu'n  teid  aca  air  aoradh 
a  dheauamli  aig  an  tigh  cho  mhaith  's  a 
rachadh  aca  anns  an  eaglais,  ach,  mar  is 
bitheanta,  tha  dearmad  air  aoradh  follais- 
each is  dearmad  air  aoradh  teaghlaich  is 
urnuigh  uaigneach  a'  dol  comhla.  Bu 
mhaith  leinn  a  chreidsinn  gu  'm  bi  na  cinn- 
theaghlaich  nach  faic  sinn  anns  an  eaglais 
ach  uair  's  an  raidhe  a'  our  seachad  pairt 
de  la  an  Tighearna  ann  an  aoradh  aig  an 
tigh,  no  ann  am  beachd  smuaineachadh  air 
nithean  spioradail,  no  ann  an  doigh  eile  a 
bhios  buannachdail  d'an  anam,  ach  is  mor 
ar   n-eagal   nach   bi.     Anns   gach   sgireachd 


I 


■& 
^ 


J 


35 


""s  an  duthaich,  tha  moran  de  luchd  coman- 
.achaidh  nacli  faieear  an  taobh  a  stig-h  de'n 
■eaglais  ach  coig  no  sia  dJi'  uairean  's  a' 
l)liliad]iiia,  g-ed  a  tha  iad  luatli  laidir,  's 
•o-ed  nach  'eil  lethsg-eul  aca  air  son  dearmad  a 
-dheanamh  air  tigh  an  Tighearna.  Tha  iad 
sin  a'  deanamh  cron  dhaibh  fein  is  cron  do 
'dh'  aobhar  Chriosd. 

Am  measg-  obair  is  buaireas  an  t-saoghail 
"tha  e  f  urasda  eadhoin  do  dhaoine  aig"  a  bheil 
inntinn  spioradail  gu  nadnrra,  nithean 
vspioradail  a  dhi-chuimhneachadh,  agus  tha 
;sith  is  samohair  tigh  an  Tighearna  "na 
>chuideachaclh  dhaibh  an  smuaint/ean  a  thog- 
-ail  suas  os  cionn  an  t-saoghail  fhaicsinnich. 
"Ged  nach  biodh  aon  fhaeal  air  a  labhairt, 
bliiodh  e  maith  do  dhaoine  suidhe  car  greis 
•-ann  an  eaglais,  agus  leigeil  le  samchair 
.naomh  na  Sabaid  drughadh  air  an  anam. 
'Ged  nach  biodh  e  f urasda  dhuinn  a  radh 
<3iod  a'  bhuannachd  a  bha  dhuinn  ann  am 
facal  air  bitli  a  chuala  sinn  riamh  anns  an 
eaglais,  tha  e  lior,  mar  an  ceudna,  gu  bhcil 
ar  smiiaintean  lion  beag  is  beag,  agus  ma 
dh'  fhaoite  gun  fios  duinn  fein,  air  an 
tionndadh  air  rathad  sonruichte,  agus  iarrt- 
usan  air  an  dusgadh  annainn  air  beannachd- 
au  spioradail  nach  duisgeadh  idir  mur  b'e 
«eirbhisean  na  h-eaglais.  Tha  e  fior  jnach  'eil 
lathaireachd  Dhe  air  a  ceangal  ri  aite  seach 
aite,  ach  tha  gealladh  sonruichte  ann  a  dh' 
fhaodas  sinn  a  thagar  an  uair  a  chruinnieheas 
-•sinn  ann  an  tigh  na  h-urnuigh,  "Far  a  bheil 
dithis  no  triuir  air  an  cruinneachadh  an 
•ceann  a  elieile  ann  am  ainm-sa,  tha  miso 
-an  sin,  'nam  meadlion."  Is  e  orduighean 
na  h-eaglais  na  meadhonan  o  'n  leth  a 
muigh,  leis  a  bheil  Criosd  a'  comhphart- 
^chadli  ruinn  soohairean  an  t-soisgeil,  agus 
tha  iadsan  a  ni  dearmad  air  na  meadhonan 
sin   a    diultadh,   ann   an   tomhas,   gras   Dhe. 

Tha  an  luchd  aideaehaidh  a  ni  dearmad 
.ail'  dol  do  'n  eaglais  a  deanamh  cron 
•do  aobhar  Ohriosd.  Tha  iad  a'  gabh- 
ail  taobh  an  t-saoghail  an  aghaidh  na 
h-eaglais, '  agus  a'  cur  a  h-ainm  's  a  h-obair 
an  suarachas.  Mar  is  teisteile  's  is  stuama 
■B,  bhios  iad,  is  moid  an  cron  a  tha  an  eis- 
■«impleir  a'  deanamh  do  dhaoine  eile,  oir 
tha  an  saoghal  ullamh  gu  bhi  saoilsinn  nach 
'eil  cron  sam  bith  ann  am  fasan  ma  tha 
daoine  coir  'ga  leantuinn.  Clia  'n  'eil  ni 
•eile  a's  cinntiche  no  gu'm  basaicheadh  an 
creidimh  Criosduidh  ann  an  nine  glioirid, 
nan  rachadh  tighean  aoraidh  a  dhunadh,  ^ 
agus  ged  nach  biodh  feum  aige  fein  idir 
-air  an  urachadE  spioraid  a  gheibh  e  anns 
an  eaglais  air  la  an  Tighearna,  bu  choir  do 
^huine  dol  innte,  chum  fianuis  a  thogail  as 


leth  na  h-obair  a  tha  i  a'  deanamh  agus 
chum  aobhar  Chriosd  air  thalamh  a  neart- 
achadh. 

Tha  e  'na  chulaidh  bhroin  gu  bheil  la 
an  Tighearna  air  a  mhi-chaitheamh  's  air 
a  mhi-naomachadh  mar  tha.  e  anns  an  la 
an  diugh  leis  na  creidmhieh  cho  mhaith  ri 
daoine  ain-diadhaidh.  Cha  'n  'eil  e  iong- 
antach  gn'u  cuireadh  iadsan  aig  nach  'eil 
suim  do  Dhia  no  d'a  fhaeal  seachad  an 
latha  naomh  ann  am  faoineis  is  leisg  is 
baoth-shugradh.  Ach  ciod  a  theirear  ris  an 
luchd  comanachaidh  a  chuireas  seachad  e 
anns  a'  cheart  doigh?  Ciod  ach  gu  bheil 
iad  peo-dhileas  d'an  aidmheil  's  gu  bheil 
iad  a'  cur  gras  is  toil  Dhe  an  suarachas.  Ma 
ni  ceann-teaghlaieh  dearmad  air  tigh  an 
Tighearna,  's  ma  chuireas  e.sleachad  an  latha 
naomh  gun  iomradh  air  urnuigh,  no  moladh, 
no  facal  Dhe,  cha  ruig  e  leas  ioghnadh  a 
bhi  air  ma  thionndas  a  chlann  air  falbh 
o'n  chreidimh  air  an  do  rinn  esan  magadh, 
agus  ma  blieir  iad  eas-urram  do  Dhia  an 
athraichean.  Ma  thachras  sin,  cha  bhi  esan 
gun    chionta . 

Dh'  iarramaid,  ma  ta,  leis  gach  uile 
dhurachd,  oirbhse  uile  aig  a  bheil  meas  air 
tiodhlac  Dhe  oidhirp  laidir  a  dheanamh,  le 
'r  facal  agus  gu  sonruichte  le  'r  n-eiseim- 
pleir,  la  an  Tighearna  ■  a  chaitheamh  gu 
foisneachail  agus  ann  an  doigh  iomchuidh, 
agus  dol  do  thigh  na  h-urnuigh  chum  Dia 
a  mholadh  agus  a  bheannachd  iarraidh.  Cha 
soirbhich  aobhar  Chriosd  am  feasd  anns 
an  duthaich  giis  am  bi  la  an  Tighearna 
air  a  naomhachadh  mar  is  coir,  agus  an 
abair  na  creidmhieh  uile — 

Blin  aoibhneas  orm,   truth  thubhairt  iad, 

Gu  tigh  Dhe,  theid  sinn  suas. 


RACNULL  MOR  A'   CHROLEIN. 


Tha  e  air  a  radh  gu  'n  d'  thuirt  rigli 
Seoras,  iomadh  bliadhna  an  deigh  Chuil- 
fhodair,  gu  'm  b\i  mhaith  leis  sealladh 
fhaicinn  air  cuid  de  na  daoine  a  bha  maeh 
leis  a'  Phrionnsa.  Cha  robh  moran  dhiubh 
a  lathair  aig  an  am,  ach  am  measg  na 
feadhnacli  a  thugadh  air  beulaobh  an  Righ, 
bha  Rao  null  Mor  a'  Chrolein,  seann  ghaisg- 
each  eolgarra  a  Cnoideart.  Chaidh  an  Righ 
an  ceann  seanchais  ris,  agus  thuirt  e  ris 
nach  robh  teagamh  aige  nach  robh  aith- 
reachas  air  'na  sheann  aois  airson  gnothuch 
a  ghabhail  ris  na  reubalaieh,  agus  a 
chluidheamh  a  tharruing^  as  leth  Thearlaich. 
"Aithreachas,"  ai'sa  Raonull,  agus  'aghaidh 
a'  lasadh,  cha  'n  'eil  dad  de  'n  t-seorsa  orm. 


36 


Ghabh  an  rigli  athadli,  car  greis,  agus  cka 
d'  thiiirt  e  'n  corr,  ach  cliaidh  EaonuU  air 
aghaidli,  "  An  rud  a  rinn  mi  airson  a' 
Phrionnsa  an  la  ud,  dheanainn  a'  clieart  cho 
toileach  airson  'ur  Moraclid  nan  robli  sibli 
'na  aite."  Chiiir  so  saod  air  an  Rigii,  agus 
dhealaioli  e  fein  's  an  seann  saighdear  ann 
an  si  til. 

Bha    Raounll    Mor    'ua    dliuine    car    iom- 

raiteacb.  'na  latlia,  ged  nach  b'e  an  t-iomradh 

a  b'   fliearr  a  bha  air,   am  measg  cliairdean 

is    choimheacli.      Bha    e    daonnan    ann    an 

iorghuill   air    chor-eigin,    agus    bha    tuasaid 

clio    coiugeis    leis    ri    sith.     Clia    robh    srian 

aige   air   a  theanga  no  air   a  dhrocli   nadtu-, 

agus    air    do    fhacail    tighinn    eadar    e    fein 

is    feai'   d'a   clioimhearsnaicli,    tharruing   e   a 

clilaidheamh  agus  ghearr  e  dheth  an  ceann. 

Ged   a   thoill   e    a   ehrochadh,    cha    do    rinn- 

eadh  air  ach  a  chur  a  mach  as  an  duthaich 

gun  cead  tigh'nu  air  ais.    Chuireadli  air  bord 

e,  comhla  ri  eucoraich  eile,  ann  an  soitheach 

a    bha   dol    do    na    Barbados,    ach    mar   bha 

am   fortan    fabharach   dha,    thug   long-chog- 

aidh      Fhrangach      ionnsuidh      orra    air    an 

t-slio-he,  ao'vis  fliuair  e  a  chas  ma  reir.   Bha 

an  soitheach  Frangaela  na  bu  mhotha  's  na 

bu  luaithe,  agus  an  deigh  dhi  droch  ghiull- 

achd  a  thoirt  do'n  t-soitheach  Bhreatunnach, 

dh'  fheuch  an  sgiobair  Fraugach  ri  dhaoine 

chur  air  bord  chum  an  namhaid  a  ghlacadh. 

An  uair  a  thoisich  na  Frangaieh  air  streap 

suas  ri  cliathach  an  t-soithioh  Bhreatunnaich, 

dh'    innseadh   do   'n   sgiobair   gu  'n   robh   na 

priosanaich   a   bh'   anns   an   toll   a'   cur   nam 

both  dhiubh,  ag  iarraidh  a  mach  los  deannal 

a  thuirt  air  na  Frangaieh.     B'e  guth  Raou- 

luU    Mhoir    guth    a   b'    airde,    a'    glaodhach, 

as    uchd    mhaitheas,    esan    a    leigeil    a    dh' 

ionnsuidh  nam  Frangaeh.    Cha  robh  fios  aig 

an  sgiobair   ciod  a  dheanadh  e.     Bha  eagal 

air,  nan  leigeadh  e   ua  priosanaich  ma  reir, 

gu 'm  faodadh  iad  tionndadli  air  a  sgiobadh, 

agus    an    soitheach    fhaotainn    fodhpa    fein. 

Ach,   air  an   laimh   eile,   bha   na   Frangaieh 

n'   bruchdadh  a  steach  air  agus  an  impis   a 

mhilleadh.     Dh'    iarr    e    na    toill    fhosgladh 

agus    na    seoid    a    leigeil    a    mach.     Cha    bu 

cheum    air    ghaig    leo    dol    an    earamh    nam 

Frang'ach,    is    RaonuU    Mor    air    an    ceajiu. 

Fhuair   e   sgonn    mor    iaruinn,    agus    le    ran 

eag-allach,  leum  e  am  measg  nam  Frangaeh, 

's  cha  robh  fear  a  bhuaileadh  e   nach   leag- 

adh    0,    's    bha    a    bhuillean    cho    trom    "s  a 

chorruich    cho    gabhaidh    's    gu'n    do    leum 

feadhainn    de    na    Frangaieh    an    eoinneamli 

an    cinn    do  "n    chuan    seach    feitheamh    ris 

an    t-slachdan    iaruinn.     Bheothaich   so   mis- 

neaeh    chaicli,    's    chuir    e    tilleadh    anus    na 


Frangaieh,  's  theich  iad  aii'  bord  d'  an  luing- 
fein.    Ach  ged  a  theich,  lean  iad  air  losgadh 
air   an   te   eile,    agus   an   uair   a   thainig   an. 
oidhche     gliabli     an     sgiobair      Breatunnach 
fath  air  an  dorchadas  is  rinn  e  air  tir.  Chord 
gaisgeileachd  Raonuill  ris  cho  maith  's  gu'n 
d'  iarr    e    air    Comliairle    an    righ    fathamas- 
a   thoirt  dha,   agus  a  leigeil  ma  reir.     Is  e- 
so   a   rinneadh.     Thill   Raonull    air   ais    ann 
an   soitheach   eile    agus   chuireadh   air   tir   e- 
anus    an    eilein    Sgiathanach.     Rinn    e    lonr 
is    direach    air    Cnoideart,    agus    an    uair    a. 
nochd  se  e  fein  am  measg  a  cliairdean,  gun 
fios,    gun   fiuthair   ris,   shaoil   iad   gu   'm   bu 
thamliasg    a    bha    ami,    agus    bha    feadhainn 
dhiubh  leis  am  bu  cho  maith  am  mac-mall - 
aclid    fhaiciun    ris.     Ach    bha    Raonull    fein 
cho   sunndach    's    ged    a    b'    ann    air    thurus- 
cliuteach    a    dh'    fliag    e    a    dhuthaich,    ged 
nach  bu  nihaith  do  neacli  sam  bith  iomradh 
a    thoirt    air    na    Barbados.     An   uair    a    dh' 
eirich   na   finneachan   Gaidhealach   air   taohli 
a'   Phrionnsa  ann  an   1743,  b'e  Raonull  fear 
do    na    ceud    dhaoine    a    bha   am    broilleach 
na   cuideachd,   agus   cha   do   dhealaich   e   ris- 
a'    Phrionnsa   gus   an  do   sgapadh   an   t-arni. 
air    Cuil-fhodair.     An    deireadh    a    laithean 
bha  baile  fearainn  aig-e,  ach  b'  abhaist  dha 
a  radh  nach  robh  anns  an  tuathanachd  ach, 
obair  dhona  lamh  ris  an  tapaid,  agus  gu'm. 
bu  chaomh  leis   Sasunnaich  a  loniadh  seach 
caoraich.   Ged  nach  d'   thug  e  riamh  nioran 
eothroim  d'a  bhodhig,  fhuair  e  saoghal  fada 
agus  bha  e  os  cionn  ceithir  fichead  an  uair- 
a  shiubhail   e.     Gus   a'   mliionaid  niu   dheir- 
eadh    cha    robh    iomradh    aige    air    a'    bhus,. 
agus    b'e    am    Prionnsa    a    b'    aoii    cheol    is- 
seanaclias  dha. 


LAOIDH. 


Thriath,  le  d'  bheannachd  cuir  fa  sgaoil  sinn,,  ■•; 

Lion  ar  cri  le  gean  is  sith: 
Biodli    do    ghradh-.sa    aig    gacli    aon    diuii, 

'S  uaill   a  d'   ghras   ni  sinn  gun  dith;  1 

Uraich    fhein    sinn,  j 

Ail    ar   slighe    troimh   'n   t-saogh'l.  ,j 

Gloir   is    nioladh    blieir   sinn   dhuit-sa 
Air   son   fuaim   an   t-soisgeil   aigh; 

Gu  'n    robh    toradh    pailt   do    shlainte 

Ann    ar    cri    's  'nar    beatha    glinath;  ..   ^ 

Is   do    laithreachd,  i 

Bitheadh   leinn^a   nis    's  ffu   brath.  ;;  i 


1 


4 


Air.  10. 


1910. 


MAC  AN  SGRIOS. 

Cha  do  chailleadh  a  h-aon  dhiibh,  ach  mac 
an  sgrios. — Eoin  xvii.    12. 

Ann  an  Gniomharan  nan  Abstol  tha  Lucas 
ag-  innseadli  aon  de  na  naigheachdan  a  bha 
oumanta  am  beul  an  t-sluaigh  mu  blias 
ludais.  Cha 'n 'eil  an  naigheachd  sin  a' 
cordadh  ris  na  tha  an  soisgeulaiche  Mata 
ag  innseadh.  Tha  esan  ag  radh  gu 'n  do 
ghabh  ludas  aithreachas  de  'n  ghniomh  oill- 
tei]  a  rinn  e  ag-us  gu  'n  do  chroch  se  e 
fein.  Ach  cha  'n  'eil  Lucas  a'  toirt  iomraidh 
air  aithreachas.  Tha  e 'g  radh  gu 'n  do 
cheannaich  ludas  crioman  fearainn  le  duais 
na  h-eucorach,  agus  air  dha  tuiteam  sios  air 
'aghaidh,  again  e  agus  bhruchd  a  mhionach 
a  mach.  Gniomh.  i.  18.  Bha  e  air  a  shean- 
chas  am  measg  an  t-sluaigh  nach  robh  sith 
no  fois  aig  ludas  an  deigh  na  ceilge  a 
rinn  e,  agus  gu  'n  do  bhuaileadh  e  le  galair 
uamhasaeh,  air  chor  agus  gu  'n  robh  a 
bheatha  'na  h-uallach  dha.  Dh'  at  a  chol- 
unn  cho  dumhail  's  nach  b'  urrainn  dha 
gluasad,  agus  dh'  fhosgail  creuchdan  innte 
as  an  robh  aileadh  sgreamhail.  Cha  b'  urr- 
ainn do  dhuine  dol  seachad  air  an  aite  anns 
an  robh  e  air  a  thiodlaeadh  gun  a  bhi  air 
a  thacadh  leis  a'  bholadh  bhreun  a  bha  'g 
eiridh  o  'uaigh.  Cha  ruigear  a  leas  na 
naigheachdan  sin  a  bha  air  an  aithris  am 
beul  an  t-.sluaigh  a  ghabhail  mar  fhirin'i, 
ach  tha  iad  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  an 
t-uamhas  a  chuir  gniomh  ludais  air  daoine 
oneasda.  Bha  iad  an  dull  nach  g-abhadh 
e  bhith  nach  tigeadh  e  gu  deireadh  eagall- 
aeh  air  chor-eigin.  Gus  an  latha  diugh  tha 
miltean  de  dhaoine  aig  a  bheil  grain  air 
ludas  nach  'eil  aca  air  Satan  fein,  agus 
their  iad  gu  bheil  e  air  a  sheachnadh  le 
each  eadhoin  anu  an  if  rinn. 

Cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  a  thug 
air  ludas  an  rud  a  rinn,  e  a  'dheanamh,  agus 
tionndadh  ami  an  aon  mhionaid  blio  chom- 
unn  nan  abstol  gu  obair  an  dorchadais.  Tha 
e  coltach  nach  do  leag  each  amharus  sam 
bith  air,  roimh  laimh,  agus  dh'  earb  iad  ris 
am  beagan  airgid  a  bhuineadh  dhaibh.  Bha 
e  inaille  riu  anns  an  t-seomar  uachdrach  aig 
a'  chuirm  naoimh,  aeh  gun  rabhadh  a  thoirt 


dhaibh  ciod  a  bha  'na  bheachd,  chaidh  e 
mach  agus  bhrath  e  a  Mhaighstir  agus  a 
chompanaich  do  na  sagairtean.  Thuirt  e 
riu  gu'n  tugadh  e  pog  do  losa  agus  gu 'n 
aithnicheadh  iad  leis  a'  chomharra  sin  am 
fear  a  bha  iad  ag  iarraidh.  Chum  e  ri 
fhacal,  ,aeh  beagan  nine  an  deigh  dha  an 
gniomh  cealgach  a  dheanamli,  ghabh  e  aith- 
reachas, thainig  e  air  ais  a  dh'  ionnsuidh 
nan  sagairtean,  agus  thilg  e  na  buinn  airgid 
a  thug  iad  dha  aig  an  casan,  ag  radh  gu  'n 
do  bhrath  e  neach  a  bha  neo-cliiontach. 
An  deigh  dha  sin  a  dheanamh,  chaidh  a 
mach  agus  chroch  se  e  fein.  Tha  cridhe 
mhic  an  duine  duilich  a  thomhas  daonnan, 
ach  tha  diomhaireachd  cridlie  ludais  os 
ciouB  ar  tuigse  no  ar  fiosrachaidh.  Ciod  a 
thug  air  a  chul  a  thionndadh  ri  losa  gun 
rabhadh,  no  ciod  a  thug  air  pog  a  thoirt 
dha,  'nuair  a  dh'  fhaodadh  e  iomadh  comh- 
arra  eile  a  thoirt  do  na  sagairtean  nach 
biodh  cho  dalma  no  cho  olc — is  iad  sin- 
eeistean  nach  urrainn  do  neach  eile  a  fhreag- 
airt  ach  dha-san  d'  an  leir  ruintean  diomh- 
air  a'  chridhe. 

Tha  cuid  an  dull  gu  'n  robh  ludas  as 
a  rian.  Tha  iad  am  beachd  gur  h-e  sin  a 
tha  air  a  chiallachadh  leis  na  briathran — 
"Chaidh  Satan  ann  an  ludas."  Ach  cha  'n 
'eil  an  Tiomnadh  Nuadh  a'  toirt  gnuis  de  'n 
bheachd  sin.  Cha  'n  'eil  dearbhadh  sam  bith 
gu  'm  faea  na  h-abstoil  eile  coltas  cuthaich 
air,  agus  cha  mho  a  tha  na  briathran  a 
labhair  e  an  deigh  laimhe  coltach  ri  cainnt 
neach  a  bhiodh  as  a  rian.  Cha  'n  'eil 
dearbhadh  sam  bith  aig  na  feadhainn  a  tha 
creidsinn  gu'n  deachaidh  e  gu  h-obann  as 
a^  bheachd,  ach  gu  'n  do  rinn  e  gniomh 
tamailteach,  agus  gu  'n  do  chuir  e  lamh 
'na  bheatha  fein.  Ach  is  suaracli  an  dearbh- 
adh sin.  Is  lionmhor  iad  a  rinn  gniomh 
naraeh  ged  a  bha  an  inntinn  cho  suidhichte 
ri  inntinn  Siorraim  aig  an  am,  agus  cha 
ruigeai-  a  leas  a  chreidsinn  gu  bheil  iadsan 
uilo  a  chuireas  lamh  'nam  beatha  air  a' 
chuthach.  Thatar  toileach  am  bithea,ntas  a 
chreidsinn  gu  'n  robh  troimh  cheile  air  chor- 
eigiji  annta,  los  sgeimh  boidheach  a  chur 
air  a'  chuis,  aeh  cha/n  'eil  sin  daonnan  fior. 
Tha  cuid  eile  'g  radh   nach  robh  olc  sam 


38 


bith  am  beachd  luclais  an  uair  a  blirath  e 
a  Mhaiglistir.  Their  iaci  gur  h-e  a  blia 
anns  an  amharc  aige  cabliag  a  chuir  lair 
losa,  agus  rioghaclid  Dhe  a  chiir  air  chois 
gu  luath.  A  reir  na  barail  so,  clia  do  cliaill 
ludas  creidimh  ann  an  losa  mar  am  Messiah, 
ach  smuainich  e  nam  bio'dh  e  air  a  liubhairt 
thairis  do  dh'  uachdranachda  an  t-saoghail 
gu  'm  feumadh  e  a  chumhachd  a  nochdadh 
agus  saorsa  chosnadh  dha  fein  's  d'a  ehaird- 
ean,  le  aon  bhuille.  Bha  e  a'  gabhail 
fadachd  nach  robh  am  Messiah  'ga  nochdadh 
fein,  agus  a'  cur  an  ceill  a  chumhachd,  agus 
gun  a  chomhairle  a  chur  ri  losa  no  r'a 
chairdean,  ghabh  e  an  doigh  ud  air  cabhag 
a  chur  air.  Tha  iad  a'  cumail  a  maeh  nach 
robh  ceilg  no  olc  sam  bith  'na  chridhe, 
agus  gur  h-ann  airson  na  codach  a  b'  fliearr 
a  rinn  e  na  rinn  e.  Cha  do  thuig  e  gu  ro 
mhaith  cho  cunnartach  's  a  bha  'n  rud  a 
rinn  e,  agus  an  uair  a  chunnaic  e  'gu  'n  robh 
e  gu  neo-chiontach  'na  aobhar  air  bas  losa, 
bha  bhron  cho  trom  's  nach  b'  urrainn  e 
a  ghiulan  agus  chroch  se  e  fein.  Cha  'n  'eil 
dreach  na  firinn  air  a'  bheachd  so,  's  cha 
mho  a  tha  an  Tiomnadh  Nuadh  ^a'  toirt 
gnuis  dha.  Tha  e  dol  calg-dhireach  an 
aghaidh  teagasg  an  t-Slanuigheir.  Oha 
labhradh  esan  "briathran  clio  cruaidh  's  a 
labhair  e  mu  ludas,  mur  biodh  fios  aige 
ga  'n  robh  olc  'na  bheachd.  Thuirt  e  gu  'n 
do  thog  e  a  lamh  'na  aghaidh,  thuirt  e 
gu  'm  bu  mhaith  dha  nach  do  rugadh  riamh 
e,  agus  gu 'm  bu  mhae  an  sgrios  e. 

Is  e  ludas  fein  an  a  on  duine  a  b'  urrainn 
innseadh  carson  a  bhrath  e  losa,  ach  ma 
dh'  fheuch  e  ri  e  fein  fhireanachadh,  cha 
'n  'eil  fios  an  diugli  ciod  a  thubhairt  e. 
Ach  faodar  sealltuinn  air  'eachdraidh  feuch 
an  tuig  sinn  ciod  an  seorsa  duine  a  bha 
ann,  no  ciod  am  peacadh  a  bha,  aig  amannan 
eile,  gu  furasd  ag  iathadh  uime.  Tha  na 
athraichean  uile  am  beachd  gu  'm  bu  duine 
sanntach  e,  agus  tha  an  t-abstol  Eoin  a, 
cur  as  a  leth  nach  robh  e  onoracli  agus 
gu  'm  b'  abhaist  dha  a  bhi  ag  goid  as  an 
sporan  a  dh' earbadh  ris.  Cha 'n 'eil  teag- 
amh  nach  robh  e  sanntach.  Is  e  an  sannt 
a  thug  air  deich  buinu  fhichead  a  ghabhail 
bho  na  sagairtean.  Nam  b'  ann  air  a'  chuth- 
ach  a  bha  e,  no  nam  b'  ann  airson  cabhag 
a  chur  air  losa  a  bha  e,  dh'  fhaodadh  e  an 
rud  a  rinn  e  a  dheanamh  gun  airgiod 
iarraidh.  Ach  rinn  e  cumluia.nta  riu  an 
toiseach,  a  chionn  gu  'n  robh  freumh  an 
uilc  ann — gaol  an  airgid.  Faodaidh  gu  'n 
robh  aobharan  eile  'ga  bhrosnuehadh  air 
aghaidh  aig  a'  eheart  am,  agus  gu  'n  robh 
iomadh    faireachduinn  'na    chridhe    a'  comh- 


oibreaohadh  maille  ri  cheile  ag  iarraidh  air 
losa  a  bhrath,  ach  am  measg  nan  aobharan 
sin  bha  sannt.  Ged  nach  urrainnear  a  radh 
le  cinnt,  faodaidh  gur  h-a.nn  air  sgath  nith- 
ean  an  t-saoghail  a  ta  lathair  a  lean  e 
losa  an  toiseach,  agus  nach  ann  air  sgath 
buannachd  spioradail.  Coltach  ris  a'  mhor 
thuideachd  de  na  h-Iudhaich  bha  e  an  duil 
gu  'n  tigeadh  am  Messiah  mar  neach  cumh- 
achdach,  agus  an  deigh  dha  saorsa  a  chos- 
nadh d'a  shluagh,  gu  'n  tugadh  e  duaisean 
mora  dhaiblisan  a  sheas  air  a  thaobh.  Bha 
e  am  beachd,  an  uair  a  shuidheadh  e  air 
righ  chaithir  Israel,  gu  'n  ardaicheadh  e  a 
chairdean  mar  an  ceudna.  Ach  bha  na 
laithean  a'  dol  seachad  's  cha  robh  iomradh 
air  uachdranachd  no  duals,  agus  mu  dheir- 
eadh  cliaill  ludas  a  dhochas  agus  bhuail 
amharus  e  nach  b'  fhearr  seirbhis  losa  no 
seirbhis  neach  eile,  agus  nach  robh  nithean 
an  t-saoghail  so  co  dhiu  ri  'm  faotainn 
uaith.  Bha  e  fas  sgith  de  ghnothuch  anns 
nach  robh  buannachd,  bha  e  fas  sgith  cuid- 
eachd  de  na  h-abstoil  eile.  Bha  amharus 
aige  nach  bu  toigh  leo  e,  agus  cha  bu  toigh 
leis  iad.  Cho  fad  's  a  bha  fiuthair  aige 
gu  'n  robh  duals  mhor  a'  f  eitheamh  orra 
uile,  bha  e  eudmhor  gu  leor  anns  an  obair 
a  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairmeadh  iad,  agus 
cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  e  car  onorach 
anns  an  aidmheil  a  rinn  e.  Ach  mar  bha 
an  nine  a'  dol  seachad  's  nach  robh  an  duals 
a  tighinn,  shiolaidh  eud  ludais  's  thoisich 
e  air  a  thuigsiun  nach  robh  gaol  mor  sam 
bith  aige  air  comunn  no  seanclias  chaich. 
Chitheadh  iadsan  so,  agus  bheireadli  iad 
air  a  thuigsinn,  an  iomadh  doigh,  gu  'n 
robh  amharus  aca  nach  robh  e  ach  meagh 
bhlath  anns  na  nithean  a  bhuineadh  do 
rioghachd  Dhe.  Chruadhaich  cridhe  ludais 
uigh  ar  n-uigh;  an  aghaidh  losa,  air  son 
dochas  a  thogail  'na  cliridhe  nach  robh  e 
ag  coimhlionadh;  agus  an  aghaidh  nan  ab- 
stoil  eile  airson  an  fhuachd  's  an  amharuis 
a  bha  e  a'  leughadh  'nan  aodann.  Bha  e 
aonaranach  'nam  measg,  a'  sior  thuiteam  air 
falbh  uapa  agus  a'  cruadhachadh  a  chridhe 
'nan  aghaidh  gus  mu  dheireadh  an  do  rinn 
e  suas  inntinn  gun  gnothuch  a  bhi  aige 
riu  tuilleadh.  Chaidh  e  dh'  ionnsuidh  nan 
sagairtean  agus  thuirt  e  riu — Tha  sibh  ag 
iarraidh  cothrom  los.i  a  glilacadh  's 
a  chomunn  a  sgaoileadh,  ciod  a  bheir  sibh 
dhomh-sa  ma  liubhras  mi  dhuibh  e?  Dh" 
fhag  ludas  na  sagairtean  ag  radh  ris  fein, 
Is  beag  deich  buinn  fhichead  airgid  ach 
is  e  sin  na  tha  agam  an  diugh  airson  mo 
slisothrach  fad  da  bhliadhna.  Fhuair  e 
bristeadh  duil  ann  an   losa,   agus   eadar  sin 


..J 


i-' 


39 


agus  gaol  an  airgid  agus  gamhlas  do  chiiid 
de  na  h-abstoil  eile,  chaidli  e  Diacli  agus  rinn 
e  ar,  gniomh  oillteil  a  cliumas  'ainra  air 
chuimliue  gu  brath.  Cliuir  na  miltean  o  'n 
latha  sin  gus  an  diugli  a'  cheart  ghniomh 
an  ceill,  agus  tha  iad  cho  ciontach  ris-san, 
ged  a  tharruing  esan  aire  an  t-saoghail 
tliuige  a  cliionn  gu  'n  do  rinn  e  an  eucoir 
an  agliaidh  neacli  aig  a  bheil  ainm  os  cionn 
gacli   ainm. 

Ma  tha  e  duilich  a  thuigsinn  carson  a 
bhratli  ludas  an  Slanuigliear,  cha  'n  'eil  e 
ni  's  usa  a  tliuigsinn  carson  a  thagli  an 
Slanuighear  esan  gu  bhi  'na  A.bstol.  Am 
b'  aithne  do  losa  an  seorsa  duine  a  blia  aun 
m'  an  do  thagli  se  e  ?  Tha  f  acal  no  dha 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  a  tha  'g  radh 
gu  'm  b'  aithne,  agus  dh'  innis  e  do  na  h- 
abstoil,  roimli  laimh,  gu  'm  brathadh  fear 
dhiubh  e.  An  do  thagh  e  ludas,  mata,  le 
comhairle  shuidliichte,  chum  gu  'n  deanadh 
e  an  gniomh  olc  so?  Cha  ghabli  sin  creid- 
sinn,  ach  ged  nach  urrainn  sinn  a'  bheag 
a  radh  air  cuspair  cho  dorcha  so,  no  inntinn 
Dhe  anns  a'  chuis  a  thomhas,  faodar  da  ni 
CO  dhiu  a  chur  sios  mar  fhirinn — nach  do 
thagh  losa  an  deisciobul  so  chum  buaireadh 
a  chur  'na  charamh,  agus  nach  robh  ceilg 
sam  bith  am  beaehd  ludais  an  uair  a  thois- 
ich  e  air  losa  a  leantuinn.  Ach  ciod  a 
theirear  ri  briathran  an  abstoil  Eoin  —  B' 
aithne  do  losa  o  thus  co  an  ti  a  hhrath- 
adh  e,  agus,  nach  do  thagh  mi  sibh  agus 
tha  fear  agaibh  'na  dhiabhul. 

'Nuair  a  fhreagair  ludas  a  ghairm  p, 
fhuair  e  o  losa,  cha  robh  fios  sam  bith 
aige  fein  ciod  a  bha  air  thoiseach  air,  's 
cha  mho  a  bha  amharus  aig  a  chompanaich 
nach  robh  e  freagarrach  air  son  na  minis- 
treileachd.  Bha  e  a'  cheart  cho  gealltanach 
ri  aon  eile  am  measg  nan  abstol,  ach  leig 
e  dheth  a  bhi  furachail  agus  cha  do  ghleidh 
e  gu  curamach  an  ni  a  fhuair  e.  Bha  e 
coltach  ri  iomadh  ueach  eile  a  fhuair 
gairm  Dhe  ann  an  laithean  oige,  agus  a 
thoisich  air  obair  na  rioghachd  gu  li-eud- 
mlior  agus  gu  dileas,  ach  dh'  fhas  drisean 
an  t-saoghail  suas  'na  cliridhe  agus  thachd 
iad  a  bheatha  spioradail.  Bhuineadh  ludas 
do  'n  t-seorsa  dhaoine  do  nach  'eil  e  gu 
nadurra  furasda  an  saoghal  uile  a  threig- 
sian  air  sgath  Chriosd,  an  seorsa  aig  a 
bheil  aon  chas  daonnan  a  Stigh  anns  an 
rioghachd  agus  a'  chas  eile  a  muigh.  Dh' 
fheuch  e  ri  seirbhis  a  dheanamh  do  dha 
mhaighstir,  agus  chaill  e  anam  anns  p,n 
oidhirp.  Chuireadh  e  crith  ann  am  feoil 
ludais  nan  innseadh  duine  dha  aig  tus  a 
thoiseachaidh  gu  'u  robh  an  latha  a  tighinn 


anns  an  reiceadh  e  a  Mhaighstir  airson 
deich  buinn  fhichead,  ach  cho  do  ghleidli 
e  a  chridhe  gu  curamach  agus  thaiuig  an 
latha  anns  an  do  bhrosnuich  sannt  is  fuath 
is  (gamhlas  e  gu  Mac  an  duine  a  thoirt 
thairis   do  lamhan   a   naimhdean. 

Pheacaich  e  an  aghaidh  an  t-soluis.  Fo 
bhuaidh  teagasg  is  companas  Chriosd  dh' 
abuich  naomhachd  ann  an  cridhe  Pheadair 
is  Eoin.  Dh' eirich  iad  suas  gu  neamh. 
Fhuair  ludas  an  cothrom  ceudna  agus  thuit 
e  sios  do  'n  t-slochd.  An  aite  naomlilachd, 
dh"  abuich  searbhadas  is  fuaclid  is  farmad  is 
guin  'na  chridhe.  Dh'  iarr  faidhean  is 
naoimh  an  t-seanu  chumhnanta  na  nithean 
a  chunnaic  ludas  fhaicinn  agus  cha  'n  fhac- 
ar  leo  iad.  Ach  ged  a  chunnaic  a  shuilean- 
sa  an  solus  o  neamh,  ghradhaich  e  an  dorch- 
adas  agus  rinn  e  gniomharan  an  dorcliadais. 
Sheas  e  aig  geata  neimh  ach  thionndaidh 
e  air  falbh  agus  chaidh  e  d'a  ionad  fein. 
Ged  nach  d'  thug  esan  rabhadli  do  Chriosd 
thug  Criosd  rabhadh  dhasan.  Chunnaic  p 
an  cunnart  anns  an  robh  e,  b'  aithne  dha 
an  t-olc  air  an  robh  e  a'  cnuasachadh,  agus 
thug  e  rabhadh  dha  ann  am  briathran  nach 
tuigeadh  each  ach  a  dh'  fhaodadh  ludas  fein 
a  thuigsinn.  Ach  chruadhaich  ludas  a 
chridhe  agus  cha  'n  eisdeadli  e.  An  sin  leig 
an  Slanuigheir  leis,  agus  chaidh  mac  an 
sgrios   d'a   aite    fein. 


AM  FOGHAR. 
Ann  an  cuid  de  sgireachdan,  tha  e  'na 
clileachdadh  latha  buidheachais  a  choimhead 
aig  deireadh  an  Fhoghair.  Bu  mhaith  nam 
biodh  a'  leithid  sin  de  latha,  air  a  choimhead 
leis  gach  eoimhthional  'san  eaglais.  Tlia  e 
iomchuidli  gu'm  biodh  cothrom  air  a  thoirt 
do'n  t-sluagh,  pairt  a  gliabhail  ann  an  seir- 
bhis bhuidheachais  airson  an  fhoghair,  co- 
dliiu  a  ghabhas  sin  deanamli  air  Sabaid  no 
latha  seacliduinn.  Tha  e  freagarrach  gu'm 
moladh  daoine  Dia  airson  cinneas  na  talmh- 
ainn,  cho  mhaith  'sa  mholas  iad  E,  airson 
throcairean  eile.  Tha  Esan  a'  riaghladh  anns 
an  t-saoghal  nadurra  mar  anns  an  t-saoghal 
spioradail,  's  chithear  a  cliiunhachd  's  a 
mhaitheas  air  an  achadh-bhuana  mar  a 
chithear  iad  'san  teampull.  'Nuair  a  chois- 
ich  an  Salmadair  thairis  air  achaidhean 
ludah,  0  chionn  corr  is  da  mhile  bliadhna, 
's  a  chunnaic  e  iad  air  an  comhdachadli  le 
pailteas    Dhe,   sheinn   e  'n    t-oran — 

An  talamh  tha  tha  thu  fiosraehagh, 

'S  'ga  uisgeaohadh  gu  reidh  , 

Le  abhainn  Dlie  ta  l^n  do'n  uisg' 

Trom  beartach  ni  thu  e. 

Dhoibh  ai'bhar  tha  thu  deasachadh, 

Le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 


40 


'S  ag  uisgeaohd  le  pailteas  mor 
Nan  iomairean  gu  min 
Mu'n  bhliadhiia  ooroii  tha  thn  our, 
Le  d'  mhaitheas  feiu,  a  Dhe, 
Tha  saill  a'  sileadh  amis  gach  ait, 
0  d'  eheumannaibh  gu  reidh. 

Is  e  Dia  a  bheir  fas  is  toradh.  Tha 
maitheas  Dhe  mar  gu  'm  biodh  abhainn 
mhor  a'  ruith  troimh  'n  t-saoghal,  aeh  tha 
'n  abhainn  a'  ruith  cho  cinnteach  's  nach  'eil 
siun  a' gabhail  suim  diii.  Ged  tha 'n  fhuaim 
'nar  cluasan,  cha  chluinu  sinn  i,  's  ged  tha 
i  'dol  seachad  air  ar  dorsan,  cha  'n  fhaic 
siun  i.  Tha  earraeh  is  foghar,  samhradh  is 
geamhradh,  fuachd  is  teas,  grian  is  gaoth, 
a'  tighinn  cho  cinnteach  'nan  am  fein,  's  ag 
oibreachadh  toil  an  Uile-chumhachdaich  cho 
seimh,  reidh,  ordail,  's  nach  'eil  iad  a'  cur 
ioghnadh  sam  bith  oirnn.    Tha  sinn  a'  tuit- 

eam  'nar  cadal  air  chor  's  nach  leir  dhuinn 
an  lamh  threun,  's  an  inntinn  ghlic,  's  an 
cridhe  gradhach  a  tha  air  chul  laghannan 
Naduir.  Tha  feum  agaiun  uile  air  an  ur- 
nuigh  a  radh  gach  latha — Fosgail  mo  shuil- 
ean  chum  's  gum  faic  mi  do  ghloir.  Tha 
Dia  anns  an  t-saoghal  an  diugli  mar  a  bha 
e  ann  an  laithean  an  t-Salmadair.  Cha  d' 
fhag  Esan  an  saoghal  'n  uair  a  shiubhail 
Maois.  Tha  e  fhathast  a'  marcachd  air 
sgiathaibh  na  gaoithe,  's  nan  robh  claist- 
eachd  againne,  chluinneamaid  fuaim  'im- 
eachd.  Is  e  Esan  a  tha  'deanamh  an 
t  -  saoghail  maiseach,  ,s  a'  crunadh  na 
bliadhna  le  pailteas.  0  gach  achadh  buana 
ann  an  am  an  Fhog-hair  tha  'n  aaith  a  tig-h- 
inn  'gar  n-ionnsuidh — Feuch  tha  mise  mai.Ue 
ruibh.  Tha  gach  dias  a  chromas  a  ceann  le 
oudthrom  a  toraidh  ag  innseadh  dhuinn 
nach  do  dhichuimhnieh  ar  n-Athair  air 
neamli  a  ohlann  a  tha  air  an  talamh.  Tha 
Fhaeal-san  cinnteach,  's  cha  teid  E  'n  cois 
a    gheallaidh. 

Tha  am  Foghar  a'  teagasg  iomadh  leasan 
dhuinn,  ach  tha  e  gu  sonruichta  ag  gairm 
oirnn  an  Tighearn  a  mholadh.  Tha  sinn 
uile  deas  gu  bhi  gearan,  's  ma's  fior  na 
theirear,  cha  'n  'eil  daoine  air  thalamh  cho 
gearanach  ris  na  tuathanaich.  Is  iomadli 
uair  a  chuala  sinn  o'n  thaiiiig  a'  bhliadhna, 
nach  robh  ri  bhi  ann  ach  foghar  bochd,  's 
nach  biodh  biadh  ri  fhaotainn  do  dhuine  no 
do  bheathach.  Ach  nam  biodh  faighidinn 
aig  daoine,  chitheadh  iad  gu'n  tig  gach  ni 

'na  am  fhein.  Ciod  a's  fhiach  ar  creidimh 
ma  bheir  fras  luchair  air  falbh  e.  Cha  do 
chuir  an  g-earan  cruach  a  bharrachd  riamh 
'san    iodhlainn.      'Nuair    a    bhios    an    t-eu- 

dochas  a'  faotainn  lamh  an  uachdar  oirnn, 
cuimhnicheamaid  ciod  a  thuirt  aon  de  na 
faidhean. 


Chaoidh  ged  nach  toil-  crann  fige  blath, 
'S  nach  fas  air  fion-chrann  meas 
Saoth'r  a'  ohroinu-olaidh  ged  a  threig, 
'S  fas  deis  gun  bhi  air  slios. 
Gach  treud  o'n  mhainnir  ged  a  bhuall 
Grad  fhuathas  'auair  nach  saoil: 
Greigh  ged  nach  d'  fhag  an  t-Earrach  eruaidh 
No  bo  air  uachdar  raoin. 
Gidheadh  'san  Triath  bidh  mise  ait, 
Is  ni  mi  uaill  'na  ghradh 
Mor  aoibhneas  ni  mi  ann  am  Dhia 
Se  Dia  mo  shlaint'  gu  brath. 

A  dh'  aindeoin  ciod  a  their  daoine,  is  e  an 
inntinn  's  an  spiorad  sin  a  bheir  buaidh 
air  an  t-saoghal.  Cha 'n 'eil  an  gearan 
maith,  ach  ni  spiorad  na  taingealachd 
beatha  duine  maiseach,  's  ni  e  ohridhe  's  a 
cheum  aotrum.  Ann  an  aon  de  sgriobhaich- 
ean  nan  Rabbis  ludhach,  tha  e  air  a  radh, 
gJi  bheil  da  sheorsa  ainglean  ann — aingiean 
airson  seirbhis,  's  ainglean  airson  molaidh. 
Tha  na  Rabbis  fhein  ag  radh  gur  h-e  na 
h-ainglean  molaidh  a's  airde,  's  nach  'eil  e 
air  a  cheadachadh  dhaibh  Dia  a  mholadh 
da  uair.  'Nuair  a  tliogas  an  t-aing-eal  p, 
guth  ann  an  laoidh  molaidh,  's  a  sheinneas 
i  cliu  an  Ti  a's  airde,  tha  i  a'  criochnachadh 
a  beatha,  tha  i  a'  sioladh  a  mach  a  bith — ■ 
oir  rainig  i  iomlanachd,  's  choimhlion  i  run 
Dhe  a  bh'  aige  's  an  amharc  'nuair  a  thug 
e  dhith  beatha.  Cha  'n  'eil  ann  ach  aon  de 
sgeulachdan  faoin  nan  seanairean,  ach  tha 
chriomag  so  de  'n  fhirinn  ann — gu  bheil 
duine  'g  eiridh  gu  iomlanachd  beatha,  'nuair 
tha  'chridhe  air  a'  lionadh  le  spiorad  a' 
mholaidh.  Bhiodli  am  Foghar  na  tehacraniaid 
dhuinn  uile,  nan  duisgeadh  e  annain  taing- 
ealachd, 's  nan  tugadh  e  oirnn  seinn  o  'n 
chridhe — 

0  m'  anam  beannaieli  fein  a  nis 
lehobhah  mor  do  Dhia, 
Na  dichuimnich  na  tiodhlacan 
A  dheonuich  dhuit  an  Triatli. 

Ann  an  seirbhis  bhuidheaehais  an  fhoghair 
bu  choir  dhuinn  na  bochdan  a  chuimh- 
neachadh.  Cha 'n 'eil  doigh  eile  anns  an 
fhearr  a's  urrainn  dhuinn  ar  taingealachd 
a  nochdadh.  Tha  'n  doigh  sin  taitneach  do 
Dhia.  Bhiodh  e  gle  uarach,  nam  biodh  ar 
cridheachan  cruaidJi,  'nuair  tha  ar  saibhlean 
Ian.  Cha  toigh  le  Dia  an  siDiocaireachd.  Cha 
d'  thainig  duine  riamh  gu  bochdainn,  le  bhi 
cuideachadh  nam  bochd.  Is  toigh  le  Dia 
cridhe  farsuinn  agus  lamh  fhialaidh.  Ged 
a  dh'  fhaodas  gu  leor  de  theachd  an  tir  a 
bhi  againne,  tha  na  miltean  air  a  bheil 
an  t-acras.  'Nuair  a  stadas  na  Criosduidh- 
ean  do  bhi  caoimhneil  ris  na  bochdan, 
caillidh  an  diadhaidheachd  a  maise.  Cuimh- 
nicheamaid  trocair   's   bitheamaid  baigheil. 


1 


1 
i 


■a 


I 


Air    11. 


1910 


BAISTEADH     lOSA. 

Bhaisteadh    e    le   h-Eoin   ami   an    lor  dan. — 
Marc  I.  9. 


Is  e  an  obair  a  rinn  Eoin  a'  Bhaistidh  a' 
clieud  ni  a  tha  Marc  ag-  ainmeachadh  anus 
an  t-soisg-eul  a  sg-riobh  e.  Cha  'n  'eil  e 
furasda  meud  no  liiach  na  h-oibre  sin  a 
thomhas,  oir  as  eugmhais  an  treabhaidh  a 
rinn  Eoin,  bhiodli  an  talamh  amis  an  do 
cliiiir  losa  siol  na  rioghaclid  na  bu  chruaidhe 
no  bha  e.  Aig  an  am  ud  bha  an  duthaieh 
uile  'na  hiidlie  ann  am  marbhantachd  spior- 
adail,  bha  an  sluagli  is  aodhairean  an 
t-sluaig-li  socruiclite  air  an  deasgainibh,  agus 
cha  robh  am  fuigheall  a  bha  feitheamh  ri 
solas  Israeil  ach  beag.  Ach  chuir  Dia  ann 
an  cridhe  Eoin  a  ghuth  a  thogail  agus  an 
slnag-h  a  ghairm  gu  aithreachas,  agus  sheul- 
aieh  e  a  shearmonachadh  le  cumhachd  an 
spioraid  naoimh  air  chor  agus  gu'n  d'eisd 
tir  ludea  uile  ris  agus  gu'n  deachaidh  fnaim 
na  h-obair  bheannaichte  a  bha  dol  air  a 
h-aghaidh  aig  lordan  a  mach  o  cheann  gu 
ceann  de'n  duthaieh.  Chualas  eadhoin  ann 
an  Galile  mu'n  diisg-adh  mhor  ud  agus  thog 
moran  orra  gu  lordan,  cuid  dhiubh,  a  chionn 
gu'ni  bu  mhaith  leo  fhaicinn  le'n  suilean  na 
nithean  iongantach  a  chaidh  innseaclh 
dhaibh,  agus  cuid  eile,  a  chionn  gu'n  robh 
spiorad  an  Tighearn  a'  stri  riu  agus  gu  'n 
robh  ionndrainn  bheo  air  Dia  air  a  dhus- 
gadh  'nan  cridhe.  Am  measg  na  feadhnach 
a  dli'  fhalbh  a  Galile  bha  buidheann  de 
ghillean  oga,  agus  am  measg  nan  gillean 
oga  sin  bha  losa,  an  neach  d'an  robh  Eoin 
a'  toirt  fianuis  do  'n  t-sluagh,  ged  nach  robh 
flos  aige  fein  air  aig  an  am.  Cha  'n  'eil  na 
soisgeulaichean  ag  innseadh  ciod  a  thachair 
an  uair  a  rainig  losa  lo.rdan,  no  ciod  an 
comhradh  a  bha  eadar  e  fein  is  Eoin.  Tha 
iad  samhach  mu  iomadh  rud  air  am  bu 
mhaith   leinn   fios   a   bhi   agaiun. 

Mur  biodh  againn  ach  an  soisgeul  a  reir 
an  abstoil  Eoin  theireamaid  nach  faca  am 
Baisteach  eadar  dhealachadh  sam  bith  eadar 
lo.sa  agus  na  feadhainn  eile  a  thum  e  anns 
an  uisge  gus  an  do  thuirling  an  Spiorad 
naomh  air  mar  choluman.  Ged  nach  eil  e  'ga 
radii  air  a  cheann,  faodar  a  thuig«inn  gu  'n 
robh  an  t-abstol  Eoin  an  dull  nach  do  thuig 
am  Baisteach  co  a  bha  aige  gus  am  facas  an 
air  a  cheann,  faodar  a  thuigsinn  gu'n  robh 
an  t-abstol   Eoin  an  duil  nach  do  thuia;  am 


Baisteach    co   a    bha   aige    gus   am    facas   anL 
Sjtiorad  a'  tearnadh  air  losa  agus  an  ciialas 
an  guth  o  neamh.    Ach  tha  na  soisg-eulaich- 
ean  eile  ag-  innseadh  dhuinn  gu'n  do  thui^ 
am    Baisteach    co    e    losa    roimhe    sin,    agus 
gu'n  d'  fhuair  e  sealladh  air  gloir  a'  Mhess- 
iah   man   deachaidh   e   sios   idir   do'n   uisge,, 
oir  thubhairt  e,  Tha  feum  agamsa  a  bhi  air- 
mo   bhaisteadh  leatsa,  agus  a  bheil  thusa  a' 
teachd  a  m'  ionnsuidh-sa?    Ciod  a   thug  air 
Eoin    a"  Bhaistidh   sin   a   radh,    agus   ciamar- 
a    fhuair    e    fios    air    naomhachd    losa,    agus 
carson   a   shaoil   e   nach   robh   e   freagarrach 
dha  pairt  a  g-habhail  ann  am  baisteadh  aith- 
reachais?    Cha   robh   duine    beo   anns   an   la 
ud  anns  an   robh   Eoin  a' baisteadh   a  thuig- 
g'l  'm   b'e   losa   mac   Dhe   no   chunnaie   mor- 
achd  na  diadhachd  ann,  oir  cha  robh  e  fath- 
ast   air    fhoiOseaohadh    dhaibh,    ag-us    cha   b' 
aithne  dhaibh  e  ach  mar  ghille  6g  a  bhuin- 
eadh    do    Ghalile    agus    a    bha    eudmhor    a 
thaobh  rioghachd  Dhe.    Ach  mur  do'rainig- 
am    Baisteach    fathast    air    diadhachd    losa, 
thuig    e    gu    soilleir    gun    robh    losa    na    b' 
fhaide    air    ag-haidh    ann    an    nithean   spior- 
adail   no   bha  e   fein,   agus   gu'n   robh   e  air 
a   sgeadachadh   le   maise   na   naomhachd.     Is 
e  sin  a  thug-  air  a  radh  gu'n  robh  e  na  bu 
fhreagarraiche     gu'm     baisteadh     losa    esau 
seach    gum   baisteadh    esan    losa.     Ciod   am 
bonn  a  bha  aige   airsou  na  baraile  sin? 

Tha  cuid  de  dhaoine  an  duil  nach  b'e  so- 
a'  cheud  uair  a  thachair  an  dithis  air  a 
cheile,  agus  gu'm  faca  Eoin  ciuine  is  irios- 
lachd  is  naomhachd  losa  am  feadh  's  a  bha 
e  fathast  a'  comhnuidh  an  Galile  ann  an 
tigh  'athar.  Bha  cairdeas  dluth  eadar  an 
da  theag-hlach,  agus  faodaidh  e  bhith  gu'm. 
biodh  iad  a'  dol  a  dh'  amharo  a  cheile  aig- 
amannan,  agus  gu'm  biodh  iad  a'  faicinn 
a  cheile  an  drasd  's  a  rithist  aig  na  feiltean^ 
ann  an  lerusaleim.  Ma  tha  so  fior,  tha  e 
furasda  gu  leor  a  thuigsinn  ciamar  a  fhuair 
Eoin  eolas  air  a' ghne  duine  a  bha  ann. an 
losa.  Bha  inntinn  Eoin  fein  o  'oige  air  a. 
toirt  suas  leis  na  nithean  a  bhuineadh  do  'n 
t-saoghal  spioradail,  agus  ma  bha  seanchas 
aige  ri  losa  uair  sam  bith  mu  na  nithean 
sin,  chitheadh  e  anns  a'  mhionaid  gu'n  robh 
gliocad  is  cumhachd  an  spioraid  air  a  ghiul- 
an,  agus  gu  'n  robh  e  a'  comhnuidh  ann  an 
gradh  Dhe  agus  ann  an  co-chomunn  an 
Spioraid  naoimh.  Cha  'u  'eil  so  a  reir 
briijthran  an  abstoil  Eoin,  oir  ged  nach  eil 
e  'ga  radh  air  a  cheann,  tha  Eoin  a'  labhairt 


42 


."mar  gu  'm  biodh  e  ciallachadh  iiacli  d'  aith- 
jiieh  am  Baisteach  losa  an  uair  a  choiunich 
iad  aig  lordan.  Mur  d'  aithnich,  feumaidh 
naeli  faca  iad  a  cheile  riamh  gus  an  la  ud. 
Ach  faodaidli  gur  h-e  a  tha  an  t-abstol  a' 
■oiallfichadh  nach  d'aithnich  e  losa  mar  am 
Messiah,  ged  a  bha  eolas  aige  air  mar 
•dliuiue. 

i  ha  cuid  eile  an  duil  nach  e  an 
roimh-eolas  a  bha  aig  Eoin  air  eaitheamh 
beatha  is  naomhachd  losa  a  thug  air  am 
facal  ud  a  radh,  ach  eoslas  na  diadhaidh- 
•eachd  a  bha  air  aodann  an  duiue  oig  an 
uair  a  chaidh  e  sios  do  'n  uisge.  Tha  iad 
.ag  radh  gu  "n  do  las  aodann  le  gloir  nan 
neamh  agus  air  do  Eoin  iomhaigh  nan  ain- 
gleau  fhaicinn  air,  dhuisg  iongantas  is  eagal 
'na  chridhe  agus  thuirt  e  nach  robh  e  freag- 
arrach  do  dhuine  peacaeh  mar  bha  e  feiu 
bai.steadh  an  aithreachais  a  fhrithealadh  do 
neach  air  an  robh  eoslas  cho  naomh.  Faod- 
■aidh  e  bhith  gu  bheil  tomhas  beag  de  'ji 
fhirinn  anns  a'  bheachd  so,  ged  nach  eil 
iadsan  aig  a  bheil  e  ach  a'  labhairt  niu 
thuaiream  agus  'g  a  dhealbh  a  mac-meamna 
lan  inntinn,  oir  cha  'n  'eil  na  soisgeulaichean 
-ag  radh  gu  'n  robh  solus  dealrach  no  aogas 
iongantach  sam  bith  air  aodann  losa  aig 
-an  am.  Ach  gabhaidh  e  creidsinn  gu  'n  robh 
maiso  na  naomhachd  'na  aodann  aig  uair 
■a,  bhaistidh.  B'e  sin  uair  cho  soluimte  's 
-a  bha  'na  bheatha,  oir  thainig  gairm  an 
Atliar  thuige  agus  bha  e  air  bheul  e  fein  a 
choi.'rigeadh,  corp  is  spiorad,  do  sheirbhis 
Dhe  is  dhaoine.  Thainig  e  gu  lordan  chum 
a  bhoidean  iocadh  do  Dhia,  agus  air  cilia 
"dearbhachd  fhaotainn  air  toil  is  ruintean 
Dhe,  bha  a  chridhe  air  a  lionadli  le  sith  is 
^■airdeaohas,  agus  faodaidli  gu'n  gabhadh  sin 
^itlineachadh  air  'aodann,  oir  is  e  an  t-aod- 
^nn   sgathan   an   anma. 

Tha  cuid  eile  an  duil  gu'n  robh  e  mar 
■chleachdadh  aig  Eoin  a  bhi  ceasnachadh  na 
feadhnach  a  dli'  iarradh  air  am  baisteadh 
feuch  an  robh  iad  a'  tuigsiun  ciod  a  bha  an 
t-ordugh  a'  ciallachadh,  agus  feuch  an  robh 
aithreachas  slainteil  air  a  dhusgadh  annta; 
-agus  tha  iad  ag  radh  gur  h-ann  o  chomli- 
radli  's  0  cheasnachadh  de  'n  t-soorsa  sin 
-a  fhuair  e  anu  an  dliiths  ri  inntinn  losa,  's 
-a  thuig  e  tnach  robh  feum  aige  air  aitlireach- 
-as  a  cliionn  nach  do  pheacaich  e  riamh  's 
^u'n  robh  e  neo-lochdaeh  anns  gach  ceum. 
Ach  ciod  air  bitli  an  doigli  anns  an  d'  fhuair 
Eoin  eolas  air  naomhachd  losa,  bhuail  amh- 
arus  e  nach  biodh  ami  dhasan  ach  dal- 
machd  losa  a  bhaisteadh.  Thainig  e  a  steach 
•air  'inntinn,  mar  an  ceudna,  nach  biodh  amis 
^n  t-seorsa  baistidh  a  bha  esan  a'  deanamh 
-ach  ordugh   gun  bhrigh  do  leithid  losa.    B' 


aim  gu  baisteadh  an  aithreachais  a  gliairm 
e  an  sluagh,  agus  bha  an  t-ordugh  'na 
shamhladh  air  maitheanas  peaeaidh,  ach  ciod 
am  feum  a  bliiodh  anns  an  ordugh  do  neach 
nach  do  pheacaich  riamh?  Air  an  aobliar 
si  a,  ghabh  Eoin  iongantas  an  uair  a  chaidh 
losa  sios  do  'n  abhainn,  agus  tharruing  e 
air  ais  o'n  ordugh  a  fhrithealadh  dha,  ach 
thuirt  losa  ris,  Leig  do'n  chuis  a  bhi  mar 
so  a  nis,  oir  is  iomohuidh  dliuinn  gach  uile 
fhireantachd    a    clioimhlionadh. 

Cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  an  dearbh 
ni  a  bha  losa  a'  ciallachadh  leis  an  f  hacal 
is  iomchuidh  dhuinn  gach  uile  fhireantachd 
a  choimhlionadh,  ach  cha  ruigear  a  leas  a 
o-habhail  anns  an  t-seadh  su'n  robh  e  mar 
fhiachaibh  air  Criosd  uile  orduighean  an 
laghd  a  choimhead  a  chionn  gu'n  do  rug- 
aclli  e  fo  'n  lagli.  Tha  cuid  de  dhiadhairean 
a'  gabhail  an  fhacail  anns  an  doigli  sin, 
ach  e"ed  a  thus:  losa  urram  do  lag:h  Mhaois 
agus  a  lean  e  ann  an  tomhas  mor  cleachd- 
anna  nan  athraiehean,  chaidh  e,  mar  an 
ceudna,  calg  dhireach  an  agliaidh  nan 
cleachdanna  sin  an  uair  a  bha  e  faicinn 
nach  robh  feum  annta.  Labhair  e,  air  uair- 
ean,  mu  cliuid  de  ghiiathaunan  an  lagha  's 
de  chleachdanna  nan  athraiehean  ann  an 
doigli  a  chuir  uamhas  air  a  luclid  eisdeachd. 
Bha  na  briathran  a  labhair  e  mu'n  t-Sab- 
aid  ionnan  dhaibli  ri  toibheum.  Thuirt  is 
gu'n  robh  iad  a'  deanamh  iodlial  de  'n  latlia 
naomh,  agus  thug  e  saorsa  d'a  dheisciobuil 
o  na  cuibhrichean  leis  an  do  cheangail  na 
sgriobhaicheau  iad  a  thaobh  coimhead  na 
Saba  id.  Air  an  doigli  cheudna,  chaidh  e  an 
aghaidh  nan  sgriobhaicheau  a  thaobh  trasg- 
aidh,  a  thaobh  urnuigh,  a  thaobh  nigheadh 
la  mil,  agus  a  thaobh  an  riaghailtean  anu 
bhiadli  toirmisgte  is  ionadan  naoniha.  Ann 
an  aon  fhaeal,  thuirt  e  riu  gu'm  faodadli 
neach  uile  ghnathannan  an  lagha  a  choimh- 
ead, agus  gun  tairbhe  sam  bith  a  bhi  anu 
dha. 

Tha  sinn  an  duil,  air  an  aobliar  sin,  nach 
aim  air  ghaol  umhlachd  a  thoirt  do  litir  an 
lagha  no  air  ghaol  deanamh  mar  bha  daoine 
eile  a'  deanamh  a  dli'  iarr  losa  baisteadh 
air  Eoin,  ach  a  chionn  gu'n  robli  e  a'  fair- 
eachduinn  gu'm  biodh  buannachd  anns  an 
t-sacraniaid  ud  d'a  anam  fein.  Anns  ^n 
obair  blieannaichte  a  bha  dol  air  a  h-agli- 
aidh  aig  lordan  chual  e  guth  Dhe  ag  radii 
ris  gu'n  d'  thainig  lanachd  na  h-aimsir  's 
gu'n  robh  an  dutliaich  deas  airson  na  minist- 
reileachd  a  thainig  esan  a  choimhlionadh. 
Labhair  guth  o  neamh  'na  chridhe  ag  iarr- 
aidh  air  a  chairdean  's  a  dhacliaidh  fliagail 
air  sgath  rioghachd  Dhe,  agus  air  dha  a 
bhoidean  iocadh  do  Dhia  gu'm  biodh  e  dil- 


i 


i 


43 


eas  do'n  ghairm  a  thainig  'ga  ionnsuidh, 
bu  mliaitli  leis  faireachduiim  a  eliridhe  a 
noclidadh  le  comharra  follaiseach  air  clior- 
eigiii  Tha  fios  againn  uile,  bho  fhios- 
raohadh  ar  beatha  fein,  gu  bheil  e  'na 
chuideaeliadh  spioradail  dhviiuu  siun  fein  a 
cheangal  ri  ar  boidean  le  comharra  foll- 
aiseach, agiis  air  an  doigh  cheudua  faodar 
a  radix  gu'n  robh  e  'na  sholas  do  losa  bais- 
teadh  fhaotainn  o  lamhan  Eoin  a  chionn 
gu'n  robh  an  t-ordugh  sin  'na  sliamhladh 
follaiseach  air  an  tiomnadh  a  bha  e  a' 
deanamh  air  fein  do  Dhia.  Acli  ged  is 
ann  a  neartacliadh  a  chridhe  's  a  tlioil  fein 
agiis  a  dh'  iocadh  a  bhoidean  do  Dhia  a 
ohaidh  losa  sios  do  dh'  uisge  lordaiu,  bha 
a  bhaisteadh  'ua  chomharra  do  'n  t-saoghal 
€lio  cinnteach  's  a  bha  e  'na  cliuideachadh 
•d'a  anam  fein.  Bha  e  'na  chomharra  gu'n 
do  ghabli  Dia  ri  obair  Eoin,  bha  e  'na 
chomharra  gu'm  b'e  losa  am  Messiah,  agus 
bha  e  'na  chomharra  gu'n  saoradh  am  Mess- 
iah a  shluagh  le  bhi  air  aireamh  am  measg 
nan  ciontach  agus  an  cor  's  an  staid  a 
ghabhail  anns  gach  ceum. 

Tha  an  soisgeulaiche  Lucas  ag  radh  gur 
h-ann  am  feadh  's  a  bha  losa  ag  urnuigh, 
an  deig-h  a  bhaistidh,  a  dh'  fhosgail  neamh 
'e  a  thuirling  an  Spiorad  air  's  a  cliualas  an 
gulh,  Is  tusa  mo  mhac  gradhach  anns  a 
bheil  mo  mhor  thlachd.  Is  e  losa  is  Eoin 
a  mhaiu  a  ehual  an  guth  's  a  chunnaic  an 
sealladh  ud.  Ma  bha  an  sluagh  a  lathair, 
aig  am  a  Bhaistidh,  cha  'n  'eil  e  coltach  gu'm 
faca  no  gu'n  cual  iad  na  nithean  air  a  bheil 
jia  soisgeulaicliean  a'  deanamh  iomraidh . 
Nam  faca  iad  an  comharra  miorbhuileach  a 
chunnaic  Eoin,  faodar  a  bhi  cinnteach  gu'n 
labhradh  mile  teang-a  uime  agus  gu'm  biodh 
an  rud  air  a  sgaoileadh  o  cheann  gu  ceann 
de 'n  duthaich.  Ach  cha  do  rinn  iad  sin,  air 
an  aobhar  nach  faca  's  nach  cual  iad  dad 
iongantach,  's  nach  robh  amharus  sam  bitli 
aca  ffu'm  be  losa  a  Galile  am  Messiah.  Ged 
a  bha  Criosd  air  thalamh  sia  seaehduinnean 
an  deigh  'aiseirigh  agus  a  bha  e  gluasad 
am  measg  dhaoine,  cha  'n  fhaca  's  cha  d' 
aithnich  neach  e  ach  creidmhich  a  mhain, 
agus  tha  e  coltach  nach  b'urraiun  an  saoghal 
a  phearsa  ghlormhor  fhaicinn  ged  a  bha  e 
mu  choinueamh  an  siil.  Air  a'  cheart  doigh, 
bha  suilean  is  cluasan  na  mor  chuideachd 
aig  abhainn  lordain  air  an  gleidheadh  air 
chor  's  nach  faca  's  nach  cual  iad  na  nith- 
ean ard  is  iongantach  a  bha  air  an  tais- 
beanadh  do  losa  's  do  Eoin.  Is  ann  riusan 
gu  sonrvxichte  a  bha  Dia  a'  labhairt,  agus 
bha  feum  aca  le  cheile  air  misueach  lis 
comhfhurtachd  aig  an  am.  Bha  feum  aig 
Eoin  air,  oir  bha  an  obair  a  thug  Dia  dha 


ri  dheanamh  mar  roimh-ruithear  an  impis 
a  bhi  criochnaichte,  agus  bha  feum  aig 
losa  air,  oir  bha  e  air  bheul  'aghaidh  a 
chur  air  an  t-slighe  a  bha  treorachadh  gu 
Callhari.  Bha  na  comharran  a  chunnaic 
e  anns  na  neamhan  'nan  dearbhadh  do  Eoin 
gu  'n  do  sheulaieh  Dia  searmonacliadh  an 
ai(:hreachais  a  rinn  e,  agus  gu'n  robh  an 
rabhadh  a  thug  e  do'n  t-sluagh  mu  theachd 
a'  Mhessiah  fior.  Dh'  fhaodadh  e  a  radh 
mar  thuirt  Simeon — Leig  le  d'  sheirbhis- 
each  a  nis  imeachd  ann  an  sith,  oir  chunn- 
aic mo  shuilean  do  shlainte.  Bha  na  comh- 
arra-a  ud  'nan  dearbhadh  do  losa  gu  'n  d' 
thainig  'uair,  agus  gu'm  bu  mhithich  dha  a 
thoil  's  a  chridhe  a  neartachadh  air  son  na 
combraig.  Dh'  ioc  e  a  bhoid  do  Dhia  agus 
choisrig  se  e  fein,  corp  is  anam,  do  sheirbhis 
an  Athar.  Ghabh  Dia  ris  an  tabhartas  a 
thairg  losa  dha  clio  toileach,  agus  dh'  ung 
se  G  le  spiorad  na  seirbhis  's  na  cumhachd 
mar  bha  e  cheana  air  ungadh  le  spiorad 
na  seirce  's  na  naomhachd. 


SEANN   CHUNGAIDHEAN. 


Bha  siun  a'  leughadh  o  chionn  ghoirid 
leabhar  a  tha  toirt  cunntas  air  staid  na 
duthcha  anns  an  ochdamh  linn  deug,  agus 
ma's  fior  na  leugh  sinn,  dh'  fhaodadh  na 
danine  a  bha  beo  anns  an  linn  ud  a  radh 
mar  thuirt  an  diadhair  Marc  mu  neach  eile, 
gu'n  d'  fhuiling  iad  moran  o  iomadh  leigli 
agus  nach  b' fheairrd  ach  gu'm  bu  mliisd 
iad  na  cungaidhean  a  fhuair  iad.  li'lia  amh- 
arus againn  nach  biodh  daoine  eadhoin  an 
diugh  fhathast  eho  toileach  air  na  stutli- 
annan  a  thairgeae  lighichean  dhaibli  a  chur 
'nau  goile  nam  biodh  fios  aca  ciamar  a  tha 
na  ciingaidhean  sin  air  an  deanamh  suas, 
ach  tha  dochas  againn  nach  'eil  iad  a'  cur 
annta  na  nithean  oillteil  's  na  creutairean 
mosaeh  anns  an  robh  uiread  creidimh  aig  na 
seann  lighichean.  Bu  shuarach  do  dliuine 
Gupan  fala  a  bhi  air  a  leigeil  as — g'ed  a  bha 
sin  dona  gu  leor — seach  Ian  spaine  a  chur 
'na  g'hoile  de  shalachar  eich.  Ann  an 
leabhar  dotaireachd  a  bha  air  uisneaeh- 
adh  leis  na  lighichean  a  b'  ainmeile 
an  Duneideann,  thatar  a'  leughadh  gur 
h  -  iad  so  na  nithean  a  bhiodh  iad  a' 
cur  anns  na  cungaidhean  leighis,  ean- 
ch;i.inn  nathrach,  mionach  figheadair,  gloth- 
agaich  is  seangain,  geir  ghobhar  is  full 
mhuc,  losgannan  is  seilcheagan,  salchar  each 
is  pheagagan,  daolagan  is  cnuimheagan  ag'us 
burraghlas  eile  de  'n  t-seorsa  sin.  B'e  an 
leigheas  a  bha  aca  airson  na  caitheamh, 
"seilcheag  air  a  bruicli  ann  am  bainne," 
agus  airson  na  buidhich,  "baoiteagan  air  an 


44 


rostadh  's     air    am    measgadh    le     hiibhean 
searbha.'' 

Ann  an  leabliar  a  sgriobli  fear  siubliail  d' 
am  b'  ainm  Martainn  mu  'n  Gliaidliealtachd 
aig*  toiseach  na  h-oclidamh  linn  deug,  tha  e 
tigh'nn  thairis  air  caiid  de'n  eolas-leigliis  a 
blia  cumauta  am  measg  an  t-sluaigh.  Clia 
robh  na  ligliichean  ach  gann,  acli  cha  robli 
ionndrainn  orra  a  chionn  gu'n  robli  seann 
daoine  is  seann  mhnathan  anns  gaeh  baile 
aig  an  robh  fios  ciod  a  bu  choir  a  dheanamh 
anns  gach  seorsa  tinneis.  Gheibheadh  iad  an 
sbruileach  eolais  so  o  na  seann  daoine  a 
chaidh  romhpa,  agus  ma  bha  iad  beachdail 
is  tuigseach,  cha  'n  'eil  teagamh  nach  biodh 
an  stor  a'  fas  o  Jinn  gii  linn.  Bha  iad  gu 
sonruiehte  beachdail  air  luibhean  agus  cha 
mhor  gu'n  robh  luibh  a'  fas  as  an  talamli 
nach  robh  air  a'  cur  gu  feum  air  chor-eigin 
leo — an  luibh  nach  deanadh  burgaid  dhean- 
adh  i  plasd.  Bha  na  seann  daoine  a'  creid- 
siuu  gu  bheil  luibh  air  chor-eigin  a  ghabhas 
faotainn  air  son  gach  galair  d'a  bheil  mac 
an  duine  buailteach — deauntag  is  sealbhag, 
biolair  is  bealaidh,  lus  nan  cluas  is  lus  nan 
cnamh,  cluas  liath  is  lus  a'  chraois — b'aithne 
dhaibh  a'  bhuaidh  shonruichte  a  bha  anns 
gach  aon  dhiubh  sin. 

Is   leigheas   air   gach   tinn 
Creamh  is  im  a'  Mhaigh. 
Bha  meas  mor  aca  air  an  eala-bhi.     B'e  sin 
an  lus 

Anns  am  faigheadh  an   leigh   liath 
Furtach  fiach  do  chreuchd  's  do  leoii. 
Bha      fear       anns       na      h  -  Earadh      a 
b'  abhaist  a  bhi  faicinn  thamhasg  is   uamh- 
asan  eile  na  h-oidhche,  ach  air  dha  an  eala 
bhi  fhuaigheal  r'a  leine,  cha  'n  fhac  e  tamh- 
asg  riamh  tuilleadh.     Theirear  gu  bitheanta 
lus   Chalum-cille   ris   an  eala-bhi,   oir   b'e   so 
roghainn   Chalum-cille  am  measg  uile  lusan 
na  talmhainu. 
Luibh    Chalum-cille,    gun    sireadh    gun   iarr- 

aidh, 
Ma  's  deoin  le  Dia,  cha  bhdsaich  mi  nochd. 
Bha  seann  mhnatlian  na  Gaidhealtachd  a' 
ereidsinn  nach  gabhadh  riid  a  b'  fhearr  a 
thoirt  do  leanabh  an  deig-h  a  bhreith  no  isugh 
an  uinnsinn.  Chuireadh  iad  an  dara  ceann 
de  dh  uinnseann  ur  anns  an  teine,  agus  am 
feadh  's  a  ,  bha  e  losgadh,  dh'  eireadh  an 
sugh  a  dh'  ionnsuidh  a'  chinn  eile  's  ghlac- 
adh  iad  dileag  dheth  ann  an  ispain  agus 
chuireadh  iad  ann  an  corp  an  leinibh  e.  Ma 
chuir  nathair  a  fiaclan  ann  am  feoil  duine, 
b'o  an ;  aon  leigheas  aca,  duilleagan  is  barr 
an.  uinnsinn  a  shuatliadli  ris ,  an  lot.  Tha  e 
coltech  nach  toigh  leis  an  nathair  an  t-uinn- 
seann,  oir  tha  seann  fhacal  ag  radh 


Theid  an  nathair  troimh  theine  dearg 
Mti'n  teid  i     troimh  dhuilleacJi  an  uinnsinn.. 

Air  son  casg  fala,  cha  robh  lus  sam  bith  a 
b'  fhearr  no  an  earr  thalmhainn,  agus  chuala 
sinn  o  chionn  ghoirid  gu'm  bi  daoine  coir 
a's  aithne  dhuinn  ann  an  gleann  fasail  a 
trusadh  na  luibh  so  anns  an  t-samhradh 
air  eagal  gu'n  tig  driod-fhortan  orra  anns 
a'  gheamhradh,  an  uair  nach  gabh  i  faot- 
ainn. 

Mm  robh  cailleag  cho  boidheach  's  a  bu 
mhaitli  leatha,  cha  robh  aice  ach  an  lus  sail- 
cuaiche  a  shuathadh  r'a  h-aodann  agus 
thig-eadh  dreach  eile  oirre. 

Sail  cuaiche  is   bainne  ghobhar 
Suath  ri  d'  aghaidh 
'S  cha  'n  'eil  mac  righ  air  domhan 
Nach  bi  as  do  dheigh. 

An  uair  a  thigeadh  an  cnatau  air  laini 
Caimbeul,  ciobair  a  bha  anns  na  h-Earadh, 
rachadh  e  tnach  anns  an  fhairge  a  dh'  ionn- 
suidh na  h-amhach,  rachadh  e  an  sin  do'n. 
leabaidh  gun  aodach  a  chur  dheth,  chuireadh 
e  dheth  fallus  mar  gu'm  biodh  atha-cheilpe,, 
agus  am  maireaoh  cha  bhiodli  sgeul  air  a'" 
ehnatan.  Ach  feumaidh  gu'n  robh  bodhig- 
laidir  aig  Iain,  agus  cha  'n  'eil  sinn  a'  comh- 
airleachadh  d'ar  luchd-leughaidh  an  leigheas 
so  air  a'  ehnatan  fheuchainn.  B'  fhearr 
dhaibh  a  dheanamh  mar  a  bhios  bodaich 
Ghlinn  Urchadainn  a  deanamh  an  uair- 
a  thig  casdaich  orra:  — 

Dileag  drama  am  bhroinn 
Is  geir  feidh  air  mo  bhuinn 
Is  suarach  fuachd  is  siataig  learn. 
Bha  an  leigheas  a  bha  aig  na  seann  daoine- 
air  f.'  bhuidhich  a'  cheart  cho  gabhaidh  ri 
leigheas  Iain  Chaimbeil  air  a'  ehnatan.  Ruis- 
geadh  iad  an  duine  tinn  agus  thilgeadh  iad 
in'a  cheann  's  m'a  choluinu  soitheach  .an 
deigh  soithich  de  shaile  fuar.  Chunnaic  sinn 
le  'r  suilean  fein  an  leigheas  so  air  fheuch- 
ainn aon  uair,  ach  mur  do  leighis  e  cha  do 
mharbh  e  co  dhiu.  Ann  an  Uidhist  b'e  an 
leigheas  a  bha  aca  air  an  loinidh  blonag  buna- 
bhuachaille  a  shuathadh  ris  a'  ghoirt,  agus 
thatar  ag  radh  gu  bheil  saill  an  eoin 
sin  fada  ni  's  fhearr  airsou  chreuchd  no- 
saill  eun  eile.  B'  e  an  leigheas  air 
an  triuthaich  bainne  capaill  ol  a  spainn 
chrithinn.  Ma  chreidear  cuid  de  na  facail. 
a  bha  aig  na  seann  daoine  tha  leigheas  ann 
am  bainne  ghobhar  nach  eil  ann  am  bainne 
cruidh.  Ach  ged  a  bha  iad  am  beachd  gu'n 
robh  leigheas  air  g-ach  tinneas,  cha  leigh- 
seadh  iad  an  t-aog. 

.  ^  Cha 'n 'eil    easlainte    gun    iocslaint 
,;,,Ach;  cha 'n 'eil  tilleadh  air  an  aog. 


5" 


4 

4 


i 


Air    12. 


1910  ;i 


AISEIRIGH   lOSA. 

Esan  tliog  Dia  suas  air  an  treas  la  agus 
nochd  se  e  gu  foUaiseach,  clia  'ii  ami  do  'n 
t-sluagli  uile,  ach  do  fhianuisean,  a 
thaghadli  le  Dia  roiiuli  -  laimli,  eadlioin 
dhuinne,  a  dh'  itli  ag-us  a  dh'  61  niaille 
ris  an  deigli  dha  eirigh  o  na  marbhaibh :  — 
Gniomhara  x.  40,  41. 

Tlia  e  'ua  chnap-starra  do  chreidimh  morau 
dhaoine  anns  an  aiseirigh  naeh  facas  Icsa 
an  deigli  a  bhais  ach  leis  na  deisciobuil  a 
mhain.  B'  ann  air  a'  ehrann  -  ceusaidb  a 
cliunnaic  an  saoghal  an  sealladli  mu  dlieir- 
eadh  dlietli,  agus  o'n  uair  anns  an  do  thaisg 
Joseph  a  chorp  anns  an  uaigh,  cha  'n  fhacas 
e  riamh  tuilleadli  leis  na  saiglidearan,  no  na 
sagairtean,  no  na  Pharasaich,  no  le  suil  eile 
ach  suilean  nan  deisciobul  a  mhain. 

Dhuisg  so  amharus  ann  an  inntinnean  cuid 
de  dhaoine,  air  chor  's  gu'n  abair  iad  nach 
'eil  anns  an  aiseirigh  ach  faoin  sgeul  a  thog 
na  deisciobuil  'nam  mea.sg  fein,  an  dara  cuid, 
a  chionn  gu'n  do  shaoil  iad  gu  li-onorach 
gu'm  faca  iad  e,  no  a  chionn  gu'm  bu  mhaith 
leo  an  tuilleadh  urraim  a  tlioirt  d'a  aium 
le  bhi  'g  innseadh  gu'n  d'  thug  le  buaidh 
thairis  air  an  uaigh.  Their  iad  gu'n  robh  e 
furasda  gu  leoir  do  losa  toirt  air  an 
t-saoghal  creidsinn  gu'n  d'  eirich  e  o  na 
marbhaibh  na  'n  do  nochd  se  e  fein  do 
mhuinntir  lerusaleim  uile,  d'a  uaimhdean 
cho  mhaith  r'a  chairdean,  do  na  sag-airtean 
aig  nach  robh  gaol  air,  do  Pliilat  a  thug  a 
mach  binn  a  bhais,  agus  do  na  saiglidearan 
a  chuir  gu  bas  e  le  'n  lamhan.  Ach  cha  do 
rinn  e  sin,  agus  their  as-creidmhich  gur  h-e 
an  revLsan  nach  facas  e  leis  an  t-saoghal, 
,nach  cV  eirich  e  idir.  Ciod  an  fhreagairt  a'  s 
urra,innear   a   thoirt   dhaibh? 

Facdaidh  e  bhith  nach  riaraieh  ar  freag- 
airt  inntinnean  na  feadhnach  nach  'eil 
cheana  a"  creidsinn  ann  an  aiseirigh  losa; 
ach  tha  sinn  an  dull  gu'n  robh  aobhar  son- 
ruichte  nach  facas  losa  leis  an  t-saoghal  an 
deigh  'aiseirigh.  B'e  an  t-aobhar,  gu'n  d" 
eirich  e  le  corp  spioradail,  agus  gu'n  robh 
an  corp  spioradail  sin  ueo-fhaicsinneach  do 
shuil  na  feola.  Cha  'n  e  mhain  nach  b'  virr- 
ainn  do  'n  t-saog-hal  fhaieinn,  ach  cha  b' 
m-rainn  do  na  deisciobuil  fein  fhaieinn  gus 
an  toilicheadh  e  e  fein  a  nochdadh  dhaibh 
Ge'd  a  bha  e  air  thalamh  sia  seachduinneau 


an   deigh  'aiseirigh,   cha  'n   fhaca   iad   e   ach- 
an  drasd  's  a  rithist,  agus  tha  e  coltach  nach. 
faiceadh  iad  idir  e   mur  b'e  gu'n  d'  atharr- 
aicli  e  buadhan  a   chuirp,   aig  amannan,   le- 
cunihachd    a   dhiadhachd,    air    chor  's    gu  'm. 
bu  leir  d'an  suilean  e.    An  aite  a  bhi  feor- 
aioh   carson  nach  facas   e  leis  na  sag-airtean. 
's   le   muinutir    lerusaleim    gu    leir,   is   e   a' 
clieist  a's  coir  fheoraicli  carson  a  chunnacas- 
e  leis  na  deisciobuil?    Bha  an  corp  spioradail 
leis    an    d'  eirich   e    aig  'aiseirigh    cho     neo- 
fhaicsinneach    d'  an    suilean-san  's    a    bha  e- 
do  shuilean  chaich,  agus  bha  e  cho  eu-com- 
asach    do    Pheadar    an    Tighearna    fhaieinn 
air   dhoigh    nadurra  's   a    bha   e    do    Philat; 
ach  nochd  losa  e  fein  do  Pheadar  's  do  na. 
deisciobiul  eile  a  chionn  gu'n  robh  e  feum- 
ail    dhaibh    dearbhadh    cinnteach    fhaotainn 
nach  d'  thug  an  saoghal  buaidh   thairis  air, . 
ach  gu'n  d'thug  esan  buaidh  air  an  t-saoghal. 
's  air  a'  bhas.    An  uair  a  chunnaic  iad  e  air 
a  shineadh  air  a'  chrann-ceusaidh,  's  a  thilg, 
e  au  deo,  thuit  iad  ann  an  diobhail  misnich; 
chain    iad    an    creidimh  's    an    dochas,    agus 
shaoil   iad    nach   robh   dad   fodhpa   tuilleadlu 
acii  tilleadh  dhacliaidh  do  Ghalile  agus  aid- 
eachadh  gu'n  robh  iad  air  am  mealladh  ann 
an    losa.     Ach    chleachd    esan    cumhachd    a 
dhiadhachd     chum     a     chorp     spioradail     a, 
dheanamh  faicsinneach  d'an  suilean,  air  chor 
agus  gu'n  tuigeadli  iad  gu'n  robh  e  fathast 
beo,  agus  nach  d'  thainig  atharrachadh  sam 
bith  air,  ged  a  chaidh  e  troimh  gheatachau 
a'  bhai.s.   Tha  da  dhoigh  anns  am  faodadh  e 
e   fein   a   dheanauih    follaiseach   do   shuilean 
nan  deisciobul.    Bha  e  comasaeh  dha  buadh-- 
an  a  thoirt  dhaibh,  car  tanuull,  nach  buineadh 
dhaibh   gu   nadurra,   agus    faodaidh   e   bhith 
gur  h-e  so  a  tha  an  soisgeulaiche  Lucas  a" 
ciaUaehadli   an   uair   a   tha   e'g   radh   mu   'n. 
dithis  a  chunnaic  e  air  an  t-slighe  gu  Em- 
maus,  gun  d'fhosgladh  an  suilean  agus  gu'n 
d' aithnich  iad  e.    Ach  bha  e  comasaeh  dha 
mar   an    ceudna    buadhan    a'  chuirp    nadurra 
a  thoirt  d'a  chorp  spiSradail  fein,  car  tamuill, 
air    chor    's  gu  'm    biodli    e    faicsinneach  do 
shuil  feola.    Tha  sinn  an  dull  gur  h-e  so  a 
thaehair    agus    nach    d'  fhuair    suilean    nan 
deisciobul  comasan   ura  sam  bith,  ach   gu  'u 
do  chuir  an  Tighearna  a  phearsa  ghlormbor 
fein  ann  an  riochd  anns  am  faiceadh  an  t-suil . 
nadurra  e.     Their  cuid  de  dhaoine  nach  'eil 
e    furasda    na    soisgeulaichean    a    chreidsinn 
an  uair  a  tha  iad  ag  radh  gu'n  d'  ith  losa. 


46 


Tiiadli  maille  riu  an  deigh  'aiseirigli.  Their 
iad  naeh  'eil  dreacli  na  firinn  air  an  sgeul 
a  ehionn  nach  h-urrainn  feum  a  bhi  aig 
corp  spioradail  air  biadh  is  deoch.  Tha  sin 
fior  gun  teagamh,  ach  cba  'n  'eil  coir  isam 
bitli  aca  a  radh  gur  h-ann  a  riaracbadli 
acrais  no  a  ehumail  suas  a  neirt  a  ghabh 
losa  biadh  maille  ris  na  deisciobuil.  Cha 
do  rinn  e  sin  ach  aon  uair  re  dha  fhichead 
latha,  agus  rinn  se  e  air  sgath  tmn  deiscio- 
bul,  chum  dearbhadh  a  thoirt  dhaibh  gur  e 
feiu  da-rireadh  a  bha  maille  riu,  agus  nach 
A'  atharraich  e.  Ged  a  chuireas  e  barrachd 
iongantais  oirnn  gu'n  do  ghabh  e  biadh, 
no  chuireas  e  oirnn  gu'm  facas  leis  an  t-suil 
nadurra  e,  cha  'n  'eil  an  dara  rud,  ann  fein, 
dad  ni  's  iongantaiche  no  an  rud  eile.  Tha 
■e  a'  eheart  cho  miorbhuileach  gu'm  faiceadh 
suil  nadurra  corp  spioradail  's  a  tha  e  gu'n 
gabhadh  corp  spioradail  biadh.  Is  ann  & 
chic-nn  's  gu'n  do  thoilich  losa  e  fein  a 
nochdadh  dhaibh,  airson  aobhar  sonriuchte, 
a  chunnaic  na  deisciobuil  e  am  feadh  's  a 
bha  e  foluichte  o'n  t-saoghal,  agus  cha  'n 
fhaiceadh  iad  idir  e  mur  b'  e  gu  'n  do 
chleachd  e  cumhachd  a  dhiadhachd  thairis 
air   buadhan   a   chuirp    fein. 

Faodar  a  radh,  mata,  gur  h-e  an  t-aobhar 
nach  faca  Pilat  no  na  sagairtean  no  na 
saighdearan  no  muinntir  lerusaleim  losa  an 
deigh  'aiseirigh,  gu  'n  d'  eirich  e  le  corp 
spioradail  a  bha  neo-fhaicsinneach  do'n  t-suil 
nadurra.  Cha  bhiodJi  buaunachd  ann  dha  e 
fein  a  tnochdadh  dhaibh  air  dhoigh  mhiorbh- 
uilea.ch,  oir  chuir  iad  cheana  cul  ris  agus 
■cha  'n  atharraicheadh  iad  am  beachd  ged 
rachadh  e  thuca  o  na  marbhaibh.  Ged  a 
■chitheadh  iad  e,  cha  'n  abradh  iad  ach  gu'm 
faca  iad  a  thamhasg,  agus,  a  thaobh  creid- 
imh  ann  fein  no  'na  obair,  bhiodh  iad  mar 
bha  iad  roimhe.  Ach  bha  buannachd  ann 
dha  e  fein  a  nochdadh  do  na  deisciobuil 
agus  taisbeanadh  a  thoirt  dhaibh  nach  d' 
thug  e  do'n  t-saoghal.  Thagli  e  iad  gu  bhi 
'nam  fianui.sean  dha,  ghabli  e  morau  dragha 
chum  an  teagasg  anns  na  nithean  a  bliuiu- 
eadh  do  rioghachd  Dhe,  agus  dh'  fhoillsich 
se  e  fein  gu  miorbhmleach  dhaibh  an  deigh 
'aiseirigh  chum  an  teagasg  sin  a  chrioch- 
nachadh  agus  an  ereidimh  a  dhaingeachadli 
gu'm  b' esan  da-rireadh  Mac  Dhe.  Agus 
tha  an  t-athar rachadh  a  thainig  orra-san 
anus  an  da  fhichead  latha  a  bha  e  maille 
riu  a'  dearbhadh  gu  soilleir  gu'n  robh  e 
'na  bhuannachd  do'n  t-saoghal  uile  gu'  m 
faca  iad  le  'n  suilean  e.  Rinn  an  sealladh 
a  chunnaic  iad  daoine  lira  dhiubh,  tliuig  iad 
nithean  a  bha  roimhe  sin  dorcha  orra,  theich 
gacli   teagamh   is   gealtachd   air   falbh    uapa. 


agus  thoisich  iad  air  soisgeul  na  h-aiseirigh 
a  shearmonachadh  anns  an  dearbh  aite  anns 
an  do  cheusadh  losa,  agus  an  iathair  na 
feadhnach  a  bha  ag  aicheadh  gu'n  d'eirich 
e.  B'e  ereidimh  nan  abstol  ann  an  aiseirigh 
losa  an  steidh  air  an  do  thogadh  an  eaglais 
Chricsduidh. 


POL  IS  CORINT. 


Is  beag  nach  do  bhris  eaglais  Chorint 
cridhe  Phoil.  Bha  i  'na  h-aobhar  carraid 
dha  mar  nach  robh  aon  eile  de  na  h-eag- 
laisean  a  chuir  e  air  chois.  Ach  ged  a  bha 
muinntir  Chorint,  an  da  chuid,  neo-dhleasd- 
anach  is  dalma,  dh'  altrvim  Pol  an  eaglais 
so  cho  caomhal  's  a  dh'  altrurnas  banaltrum 
a  clann. 

Rainig  Pol  Corint  anns  a'  bhliadhna  mu 
dheireadh  d'a  dhara  turns  soisgeulach.  Bha 
am  baile  cho  briagha  's  gu'n  abairteadh  ris 
reul  oirdheirc  na  Greige.  Ach  ma  bha  e  a' 
toirt  barr  air  bailtean  eile  ann  am  maise 
is  ann  am  beairteas,  bha  e  mar  an  ceudua 
a'  toirt  barr  orra  ann  an  aingidheachd.  Cha 
robh  duthaich  fo  'n  ghrein  nach  do  thaom 
a  prabar  a  steaeh  do  Chorint,  's  b'e  sin  a' 
ghraisg.  An  uair  a  rainig  Pol  am  baile 
rinn  e  mar  a  chleachd  e  a  d'heanamh,  agus 
shearmonaich  e  an  toiseach  d'a  luchd  duth- 
eha  anns  an  t-sionagog.  Ach  cha  b'e  sear- 
moin  a  bha  air  aire  nan  ludhach,  's  cha  d' 
thug  iad  dha  ach  eisdeachd  fuar.  Cha  b'e 
Pol  am  fear  a  chosgadh  a  chainnt  ris  na 
ballachan,  agus  air  dha  fianuis  a  thogail 
'nan  aghaidh  gu'n  robh  e  saor  's  am  fuil, 
thionndaidh  e  ris  na  cinnich.  Tha  e  coltach 
gu'n  do  chreid  cuid  dhiubh-san,  agus  ged 
nach  robh  an  aireamh  mor  an  toiseach  bha 
an  eaglais  a'  sior  fhas,  agus  dh'  fhan  Pol 
maille  riu  uine  mhaith.  Cha  b'e  sin  eaglais 
nan  uaislean.  Cha  robh  anns  a'  chuid  mhor 
dhiubl'  ach  gaotharain  aotrum  anns  nach 
robh  stoldachd  no  steidheileachd.  Chum  Pol 
fein  deagli  rian  orra  cho  fad  's  a  bha  e  'nam 
measg,  ach  an  uair  a  b'  fheudar  dha  am 
fagail  agus  'aire  a  thionndadh  ri  obair  eile, 
thoisich  counsachadh  is  iorghuill  anns  an 
eaglais  a  theaj)  bloighean  a  dheanamh  dhith. 
An  uair  a  dh'  fhag  Pol  am  baile  ghabh 
droch  ludhaich  fath  air  dol  a  steaeh  a 
dheanamh  uilc  agus  a  thogail  droch  thuail- 
eas  air.  Thoisich  iad  air  a  chur  mar  fhiach- 
aibh  air  na  feadhainn  a  bha  air  an  iomp- 
achadh  fo  theagasg  nach  robh  ann  am  Pol 
ach  ablaeh  searmonaiche,  's  nach  robh  ugli- 
darras  sam  bitli  aige  a  bhi  labhairt  idir  a 
ehionn    nach    faca   e    riamh    Criosd.     Thuirt 


4 


47 


iad  uaeli  robh  bodhig  no  teanga  abstoil  aige, 
agus  nach  robli  anu  acli  duiue  a  bha  'ga 
mbealladh  fein  's  a'  mealladh  dliaoin  eile. 
Bha  euid  de  bliuill  na  h-eaglais  a  clireid  a' 
chainnt  sin,  agus  thoisich  iad  air  ainm  ia 
ughdarras  is  teagasg  Plioil  a  cliur  an  suar- 
achas.  Bha  so  dona  gu  leoir  ach  bha  sgeul 
a  bu  mhiosa  aig  Apollos  r'a  innseadh  an  uair 
a  choiniiich  e  fein  is  Pol  ann  an  Ephesus. 
Dh'  innis  e  dha  nach  robh  an  luchd  aid- 
eacbaidh  idir  faicilleacli  'nan  caithe  beatha 
's  gu  'n  robh  feadhainn  dhiubh  a'  tuiteam 
aii:  an  ais  gu  cleachdannan  nan  einneach. 
An  aite  suipeir  an  Tighearna  a  chuartachadh 
le  h-urram  is  soluiniteachd,  bha  iad  'g  an 
giulan  fein  ann  an  doigh  mhaslaich,  agus 
chunnacas  feadliainn  dhiubh  aig  an  t-suipeir 
naoimh  air  an  daoraich.  Dh'  fhas  na  boir- 
ionnaieh  dalma  cuideachd  agus  dh'  fheuch 
iad  r'  an  guth  a  thogail  anns  an  eaglais. 
Cha  robh  rian  no  stoldachd  anns  an  tigh- 
aoraidh  an  uair  a  chruinnicheadh  an  luchd 
aideachaidh  comhla,  oir  bha  iad  uile  deonach 
air  an  comasan  a  nochdadh  do  na  braith- 
rean.  Is  e  thainig*  as  a  sin  gu'n  robh  an 
eaglais  air  a  lionadh  le  h-uabhar  is  farraad 
is  raiteachas.  Thuig  Pol  gu'n  robh  euiseau 
fada  eearr  agus  ehuir  e  roimhe  sgriobhadh 
a  dh'  ionnsuidh  nam  braithrean  ann  an  Cor- 
int,  a  chionn  nach  b'  urrainn  dha  aig  an  am 
an  t-aite  auns  an  robh  e  fhagail.  Tha  e 
coltach  gu  'n  d'  fhuair  e  litir  bho  eaglais 
Chorint  anns  an  do  chuir  feadhainn  de  na 
«reidmhich  an  comhairle  ris  timchioll  air 
rud  no  dha  a  bha  cur  draglia  orra,  agus 
faodaidh  e  bhith  gur  h-e  an  litir  sin  a  thug 
air  Pol  sgriobliadh  thuca  cho  luath.  B'  iad 
so  cuid  de  na  ceistean  a  ehuir  iad  air — A' 
bheil  e  ceart  do  luchd  aideachaidh  posadh? 
A'  bheil  staid  a'  phosaidh  'na  ceap-tuislidli 
do  bheatha  na  diadhaidheachd?  Am  faod 
bantraichean  posadh  a  ris  ?  Am  faod 
Criosduidheau  feoil  itheadh  ma  bha  am 
beathach  air  an  robh  i  air  a  mharbhadh 
mar  iobairt  do  dh'  iodhal?  Am  faod  Criosd- 
uidheau suidlie  aig  biadh  maille  ri  cinnich? 
Am  faod  mnathan  an  comhdachd-cinn  a  chur 
dhiu  anns  a'  choinneamh  ?  Am  faod  boir- 
ionnaich  labhairt  is  teagasg  anus  a'  choinn- 
■eamh?  Co  am  fear  a's  fearr  gibht,  esan  a 
shearmonaicheas  no  esan  a  ni  faidheadair- 
■eaehd?  Ciod  am  beachd  a  bha  aig  Pol  mu'n 
aiseirigh?  Ciod  an  seorsa  cuirp  leis  an  eirich 
an  duine  ?  Cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh  na 
ceistean  sin  a'  cur  dragha  air  inutinuean  is 
eoguiseau  nan  Corintianach,  ged  a  shaoileas 
sinne  an  diugh  gu  bheil  iad  car  suarach. 
■Cha  do  chord  an  spiorad  anns  an  do  sgriobh 
iad  ri  Pol,  oir  chunnaic  e  gu'n  robh  iad  air 


dol  air  seacharan  bho  fhallaineaehd  an  t- 
soisgeil,  ach  labhair  e  riutha  gu  reidh 
faighidneach  agus  dh'  fheuch  e,  an  da  chuid, 
ris  na  duileadasan  a  bha  aca  a  chur  as  an 
rathad  agus  ri  an  inntinnean  a  threorachadh 
gu  nithean  cudthromach  na  beatha  spiorad- 
ail.  Ciamar  a  rinn  e  sin  faodar  fhaicinn 
anns  an  litir,  I  Corint,  litir  a  tha  Ian  de 
ghliocas    an    Spioraid    Naoimh. 


CRIOSD  IS  MOHAMMED. 

Air  feadh  an  t-saoghail  gu  leir  tha  comli- 
rag  chruaidh  a'  dol  air  aghaidli  eadar  an 
da  chreidimh  so,  agus  ann  an  iomadh  aite 
tha  e  coltach  nach  e  an  creidimh  Criosduidh 
a  tha  faotainn  na  buadha.  Ma  tha  luchd 
leanmhuinn  Chriosd  a'  fas  meagh  bhlath  mu 
aobhar  an  t-soisgeil  agus  a'  leigeil  thairis 
oidhirp  laidir  a  dlieanamh  chum  an  soisgeul 
a  thoirt  do  na  cinnich  a  tha  fathast  auns  an 
dorehadas,  cha  'n  e  sin  do  luchd  leanmhuinn 
Mhohammed.  Tha  iad  cho  eudmhor  air 
taobh  an  creidimh  's  a  bha  iad  riamh,  agais 
tha  iad  an  diugh  a'  faicinn  toradh  an  saoth- 
rach,  oir  tha  na  miltean  anns  na  h-Innsibh 
is  anns  an  Afric  air  an  iompachadh  leo. 
Tha  e  'na  chuis-eagail  mar  tha  creidimh 
Mhohammed  a'  fas,  cha  'n  e  mhain  anns  na 
duthchannan  a  tha  fo  riaghladh  nan  Tur- 
cach,  ach,  mar  an  ceudna  anns  na  duth- 
channan a  tha  fo  riaghladh  Bhreatuiuu. 
Anns  na  h-innsibh  an  Ear,  far  an  do  thog- 
adh  bratach  Blireatuinn  o  chionn  nan  ceudan 
bliadhna,  cha  'n  'eil  aireamh  nan  Criosduidli- 
ean  ach  beag  an  coimeas  ri  aireamh  nan 
Mohammedanach,  a  tha  dol  am  meud  gach 
latha.  Faodaidh  sinn  an  rud  a  chur  ann  an 
doigh  anns  an  glac  e  suil  ar  luchd-leugh- 
aidh  ; — 

Aireamh  nan  Mohamuiedanaeh 

3,  410,  402 

7,  179,  900 
1,  053,  100 
1,  795,  900 
1,  200,  000 
6,  253,  193 

8,  880,  000 
3,  982,  448 

62,  458,  077 

248,  040 

13,  906,  972 

20,  000,  000 

58,  863,  514 


DuthaicJi. 

An  Roinn  Eurpa, 

An  A.sia  bheag, 

Siria,    ... 

Armenia, 

Mesopotamia, 

Arabia, 

Persia, 

Afganistan,     ... 

Na  h-Innsean  an  Ear, 

Ceylon, 

Rus.sia, 

China, 

Africa, 


Tha  luchd  leanmhuinn  Mhohammed  ag 
aireamh  uile  gu  leir  222, 342, .599,  agus  tha 
161,060,870  dhiubh  sin  fo  riaghladh  dhuth- 
channan  a  tha  ag  aideachadh  a'  chreidimh 
Chriosd uidh.  Mur  iompaich  na  Criosduidh- 
eau   iadsan,   iompaichidh   iadsan    na   Criosd- 


48 


uidhean.  Tha  iad  a'  cleaehdadli  g-ach  inn- 
leachd  a's  aithne  dliaibh  chum  sin  a  dhean- 
amli,  agus  clia  'n  'eil  rud  eile  's  an  t-sealladh 
aca  ach  an  saoglial  uile  a  ehosnadh  do 
Mhchammed. 

Is  ni  bronacli  e  gu  bheil  na  cearnan  sin 
de'n  t-saoghal  anns  an  do  dhealraieli  solus 
an  t-soisg-eil  an  toiseach  air  tuiteam  ann  an 
lamlian  dliaoine  a  tha  deanamh  tair  air  aium 
losa,  agus  their  na  Mhohammedanaich  gu 
bheil  sin  'na  chomharra  gu  bheil  an  creidimh 
Criosduidh  a'  call  greim  air  an  t-saoghal, 
agus  gu  bheil  an  latha  a'  tighinn  anns  am 
bi  ainm  Mhohammed  air  ardachadh  os  cionn 
losa.  Ann  an  tighean-aoraidh  anns  an  aird 
an  ear  anns  an  eualas  roimhe  so  fonn  nan 
salm  is  urnuighean  air  an  cur  suas  ri  Dia 
ann  an  ainm  losa,  tha  luchd  aoraidh  an 
diugh  a'  toirt  toibheum  do'n  ainm  naomh 
agus  a'  deanamh  aoraidh  do  Mhohammed. 
Ciod  a  theireadh  an  t-abstol  Pol  na'n  tigeadh 
e  air  ais  agus  na  'm  faiceadh  e  suidheachadh 
nan  duthchannan  anns  an  do  shaothraich  e? 
Air  na  dearbh  laraichean  anns  an  d'  fhag  e 
eaglaisean  Criosduidh,  tha  teampuill  an 
diugh  air  an  togail  leis  na  Mohammedan- 
aich,  na  naimhdean  a's  guiniche  anns  an 
t-saoghal  do  'n  t-soisgeul  a  shearmonaich 
Pol.  Cha  chluinnear  an  diugh  ainm  losa 
anns  na  h-eaglaisean  a  dh'  ionusuidh  an  do 
sgriobb  an  diadhair  Eoin,  Ephesus  is  Sardis, 
is  Tiatira,  is  Pergamos  is  Laodicea.  Chaidh 
an  coinnlearan  atharrachadh  as  an  aite.  Tha 
eadhoin  am  baile  naomh  Jerusalem  fo  riagh- 
ladh  an  Turcaich,  agus  dluth  do'n  uaigh 
anns  an  do  leagadh  losa,  cluinnear  an  diugh 
daoine  aig  a  bheil  fuath  d'a  ainm  ag  aoradh 
do  Dliia  uaoh  b'  aithne  dha-san,  agus  lag 
eigheach — Is  e  Mohammed  a  mhain  faidh 
Dhe. 

Tha  e  furasda  gu  leoir  do'n  chreidimh 
Chriosduidh  na  cinnich  bhorb  a  ehosnadh 
agas  an  tionndadh  o  bhi  ag  aoradh  do  iodli- 
alaa  a  rinneadh  le  lamhan  chum  aoradh  a 
dheanamh  do  'n  Dia  bheo.  Ach  ciamar  a 
chosnas  an  creidimh  Criosduidh  luchd-lean- 
mhuinn  Mhohammed?  Cha 'n 'eil  iadsan  ag 
aoradh  do  iodhalan.  Tha  iad  ag  aoradh  do 
Dhia  ged  naeh  'eil  iad  a'  gabhail  ris  an 
fhoiUseachadh  a  rinn  losa  air  an  Athair. 
Aidichidh  iad  gu'm  bu  duine  maitli  losa, 
faidh  naomh  a's  airidh  air  urram  mar  a's 
airidh  Maois  air,  ach  tha  iad  Ian  chinnteach 
'nam  beachd  fein  nach  robh  an  solus  no  an 
t-eolas  aig  losa  a  blia  aig  Mohammed.  Rug- 
adh  Mohammed  mu  shia  ceud  bliadhua  an 
deigh  do  losa  an  saoghal  fhagail  agxis  their 
a  dheisciobuil  gu  bheil  an  taisbeanadli  a 
thus:  e  dhaibh  air  Dia  ni  's  iiire  no  an  tais- 


beanadli a  thug  losa  seachad.  Ann  an  aon 
fhacal,  tha  iad  a'  creidsinn  gur  h-e  na 
briathran  a  labhair  Dia  ri  Mohammed  am 
faeal  mu  dheireadh  a  labhair  e  ris  an  t- 
saoghal.  Tha  iad  ag  aieheadh  diadhachd 
losa  agus  eifeaclid  a'  bhais.  Tha  iad  ag 
aieheadh  gu'n  d'  thainig  e  o  Dhia  no  gu'n 
deachaidh  e  air  ais  gu  Dia  ann  an  doigh 
sam  bith  ach  mar  tha  sin  fior  mu  na  h-uile 
dhaoine.  Tha  Biobull  aca  dhaibh  fein,  an 
Goran,  leabhar  d'a  bheil  iad  a'  toirt  uiread 
urriiin  's  a  tha  Criosduidhean  a'  toirt  do  'n 
Tiomnadh  Nuadh.  Tha  moran  firinn  ann 
an  creidimh  nan  Mohammedanach ;  tha  iad 
am  bitheantas  'nan  daoine  stuama,  bidh  iad 
ag  m'nuigh  's  a'  trasgadh,  tha  iad  a'  feuch- 
ainn  ri  gluasad  a  reir  teagasg  a'  Chorain 
anns  a  bheil  deagli  theagasg  mu  dhleasdanas 
's  mu  ehrich  ar'aidh  an  duine,  agus  tha  aon- 
achd  anabarrach  'nam  measg.  An  uair  a 
labhras  Criosduidh  ri  Mohammedanach  's  a 
dh'  fheuchas  e  ri  'iompachadh  is  e  a  their 
am  Mohammedanach  —  Carson  a  leiginn 
seachad  mo  chreidimh  fein  air  son  creidimh 
a's  miosa?  Tha  teagasg  anns  a'  Choran  a's 
gloine  na  teagasg  do  Bhiobuill-sa,  agus  a 
thaobh  stuamachd  is  moralaehd  tha  ar 
sluagh-ne  fad  air  thoiseach  oirbh-se  a  tha 
feuehainn  ri  ar  creidimh  fein  a'  sparradh 
oirnn.  Is  e  isibh-se  a  tha  anns  an  dorchadas 
agus  tha  e  mar  fhiachaibh  oirnne  an  solus 
a  thoirt  dhuibh  agus  toirt  oirbh  'ur  glun 
a  lubadh  do  Mhohammed,  am  faidh  naomh 
leis  an  do  labhair  Dia  ris  an  t-saoghal  anns 
na  laithean  deireannach.  An  uair  a  thaehras 
an  da  chreidimh  so  air  a  cheile,  cha  teid 
creidimh  Mohammed  air  ais  leud  na  roinn- 
eig,  tha  e  a'  toirt  diilain  do  shoisgeul 
Chricsd,  agus  tha  a  luchd  aideachaidh  a' 
sealltuinn  sios  le  truas  air  Criosduidhean 
mar  dhaoine  a  tha  ann  an  tiugh  dhorchadas. 
Tha  iad  le  cheile  ag  iarraidli  an  saoghal  a 
ehosnadh  d'am  maighstir,  agus  aig  a"  cheart 
am  so  tha  iad  aghaidh  ri  aghaidh  anus  an 
Afric,  anns  na  h-innsibh,  agus  ann  an  duth- 
channan eile  na  h-aird  an  Ear,  agus  tha  e 
coltaeh  naeh  fhada  gus  an  teid  a'  chomhrag 
an  dara  taobh,  co  aca  a  gheibh  a'  bhuaidh. 
Tha  cridheaehan  nan  Mohammedanach  air 
theine  le  h-eud,  agus  chuartaicheadh  iad 
an  domhan  uile  los  aon  rioghaehd  no  aon 
ehinneach  a  ehosnadh.  Is  suarach  leo  am 
beatha  an  coimeas  r'an  creidimh.  Nach  'eil 
so  a'  gairm  air  luchd  -  aideachaidh  Chriosd 
anns  an  duthaich  so  dusgadh  as  an  cadal, 
agus  oidhirp  a  dheanamh  chum  gu  'm  bi 
ainm  beannaichte-sa  air  a  ghlorachadh,  's 
cha  'n  ann  air  a  mhaslachadh  am  measg 
nan  cinneaeh! 


i 

"t 


i 


^ 


Air    1. 


1911. 


A'   BHLIADHN'   UR. 


Tha  simi  a'  guidhe  bliadliua  mhaith  ur 
d'  ar  luelid-leiig'haidli  air  feadli  na  Gaidlieal- 
taclid  uile.  Tha  sinn  an  doclias  ga'm  bi 
slaiute  is  soirbheachadh  aca  re  na  bliadhua 
so,  agus  gn'n  saor  Dia  an  suil  o  dheuraibh 
agiis  an  cas  o  shleamhnaehadh. 

Tha  a'  bhliadhn'  nr  so  a'  tuiteam  air  latha 
na  Sabaid  agus  cha  'n  urrainn  dhuinn  tois- 
eachadh  air  obair  na  bliadhna  anu  an  doigh 
a's  fearr  no  del  suas  do  thigh  na  h-urnuigh 
chum  ar  boidean  iocadh  do  Dhia  agus  aoradh 
a  dlieanamh  dha-san  a  tha  riaghladh  air 
neamh  is  talamh.  As  eugmhais  beannachd 
an  Tighearna  tha  ar  n-mle  shaothair  diomh- 
ain,  agus  tha  e  freagarrach  gu'n  tionndadh 
ar.  smuaintean  thuige-san  air  ceud  mliaduinn 
■  na  bliadhna,  agus  gu'n  iarramaid  a  bheann— 
-aohd  oirnn  fein  's  air  ar  cairdean.  Is  gasda 
an  sealladh  coimhthional  fhaicinn  a' togail 
fonn  na  sailm  air  madiunn  na  bliadhn'  uire 
ann  an  tigh  an   Tighearna:  — 

Mo  shuilean  togam  suas  a  chum 
Na.m  beann  o'n  tig  mo  neart. 
O'a    Dia    rinn    talamh    agus    neamh, 
Tha  m'  fhurtachd  uile  teachd. 

Do  dhol  a  mach  's   do  theachd  a  steach, 
Coimhididh    Dia   a    ghnath; 
O'n  aimsir  so  a  nis  a  t'  ann, 
'S  o  sin  a  mach  gu  brath. 

lAnn  an  Turns  a    Chriosdiiidh  tha  Iain  Bun- 

fian   a   tigh'nn   thairis    air    comhradh    a   bha 

eadar   Fear  a'  chridhe  mhoir  is   lonraic  rau 

chompanach    eile    a    bha    dol    maille    riu    a 

ill'  ionnsuidh   a'  bhaile    neamhaidh. 

Fear  a  chridhe  mhoir.  An  aitlme  dlmit 
^<luine  d'  an  ainm   EagaUach. 

lonraic.  Is  maith  sin,  duine  anns  a  bheil 
bu.i  a'  ghnothuich,  ach  fear  gabhail  a'  rath- 
aid  cho  draghail  's  a  thachair  orm  riamh. 

Fear  a'  chridhe  mhoir.  Tha  thu  ceart,  tha 
nu    a'  tuigsinn    gur    li-aithne    dhuit    e. 

lonraic.  Gux  h-aithne  dhomh  e!  Bha  sinn 
gle  eolach  air  a  cheile,  agus  bha  mi  comhla 
ris  an  uair  a  thoisich  e  air  iiamh  a  g-'habhail 
roimli    na    h-uamhasau    a    bha    romhainn. 


Fear  a  chridhe  mhoir.  Is  mise  a  threoraich 
e  0  thigh  mo  Mhaighstir  gu  geataohan  a' 
bhaile   neamhaidh. 

lonraic.  A  bheil  thu 'g  radh  rium!  Innis 
dhomh  uime,  oir  is  toigh  learn  a  chluinntinn 
ciamar  a  eliaidh  dha. 

Fear  a'  chridhe  mhoir.  Mata,  cha  deach- 
aidh  ach  gu  meadhonacli;  duine  eile  cho 
gealtach  cha 'n  fhaca  mise  riamh.  Bha  e  'na 
shiueadh  fad  mios  mor  aig  slochd  an  Eu- 
doehais,  a  ranaich  leis  an  eagal.  Cha  robh 
de  mhisnioh  aige  cas  a  chur  foidhe,  ged  a 
bha  e  a'faicinn  feadhainn  eile  a'  dol  thairis 
gu  sabhailte,  agus  ged  a  bliL  iad  a'  tairgsinn 
cuideachaidli  dha.  Cha  rachadh  e  air  agh- 
aidh  agus  cha  mho  a  rachadh  e  air  ais. 
Le  ciuchran  truagh  theireadh  e  gu'm  bu 
duine  ullamh  esan  mur  ruig-eadh  e  am  baile 
neamhaidh,  ach  cha  luaithe  a  thachradh  an 
tolg  a  b'  fhaoine  air  no  bliiodh  e  air  a 
dhruim  direach.  Ach  co  dhiu,  air  a'  cheann 
mu  dheireadh,  an  deigh  dha  mios  (mor  a 
chur  seachad  anns  an  sgogaireachd,  thug 
e  aon  ionnsmdh  thapaidh  air  agus  fhuair 
e  thairis,  ach  is  ann  aig  an  agli  a  tha  brath 
ciamar  a  fhuair. 

Cha  -ruig'-^  simi  a  leas  an  comhradh  a 
leantuinn  ni  's  fhaide,  thug  sinn  tarruing 
air  EagaUach  a  chionn  gu  bheil  sinn  an  duil 
gu'm  faod  cuid  d'  ar  luchd  leughaidh  a  bhi 
anns  a'  cheart  inntinn  anns  an  robh  esan 
a  thaobh  duileadasan  is  uamhasan  na  slighe 
a  tha  air  thoiseach  orra. 

Eachamaid  an  coinneamh  na  bliadhna  so 
le  deagh  mhisnich,  oir  is  e  an  Tighearn 
ar  buachaille  agus  treoraichidli  e  sinn  lamh 
ri  h-uisgeachan  ciuin.  Tha  a  chumhachd 
gun  atharrachadh  agus  a  throcair  o  shiorr- 
uidheachd  gu  siorruidheachd  orra-san  d'an 
eagal  e.  Ma  tha  Dia  leinn  co  dh'  fhaodas 
a  bhi  'n  ar  n-aghaidh.  An  Ti  nach  do 
chaomhain  a  mhac  fein,  ach  a  thug  thairis 
e  air  ar  son-ne,  cionnus  maille  ris-san  nach 
toir  e  mar  an  ceudna  dhuinn  gu  saor  na 
h-uile  nithe?    Rom.  viii.   32. 

Tha   aingeal   Dhe   a'  campachadh, 
Mu  'n   dream   d'  an   eagal   e, 
G'  am  fuasgladh  is  g'  an  teasairginn 
O'n   trioblaidibh    o-u   leir. 


Ach   tha   mi   ag  radii   so,   a   bliraitlirean,   gu 
bheil  an  aimsir  goirid  's  na  bheil  ri  teaclid: 
ioniius   araou   gu'm  bi   iadsaii   aig   am  bbeil 
miiathan  mar  nacii  biodh  mnathaii  aca,  agus 
iadsan  a   tha   ri   gairdeaciias   mar   mliuiniitir 
uaeh  'eil   ri   gairdeachas,   agus    iadsan   a   tha 
ri    caoidh    mar    naoh    biodh    iad    ri    caoidh, 
agus     iadsan     a     tha     ri     ceanuaclid      mar 
dhaoine     nach    'eil     a'    sealbhachadh,      agus 
iadsan   a   tha   gnathachadh^  an   t-saoghail   so 
ma,r    dhream    nach  'eil    'g  a    mhi-ghnathach- 
adli  ;      oir    theid    sgiamh    an    t-saoghail    so 
seachad:— Z.   Corint  vii.  29-31.    Tha  sinn  a^ 
caitheadh    ar   bliadhuacha    mar    sgeul   a    dh' 
innsear.    Tha  ar  laithean  a'  dol  seachad  mar 
shruth,    agus    cha  'n    urrainn    duinn    uaill    a 
dheanamh  a  thaobh  an  la  maireach,  oir  cha 
'n  'eil    fios    againn    ciod    a    bheir    la    uaith. 
Gu  'n     teagaisgeadh      an     Spiorad     Naomh 
dhuinn    ar     laithean     aireamh,     chum    gu  'n 
socruich    sinn    ar    cridhe    air    gliooas!      Is    e 
'  eagal    an    Tighearna    tus    a    ghliocais,    lagus 
tha.   an   diadhaidheachd   tarbhach    chum   nan 
uile    nithe,   agus    tha    gealladh    ua   beatha   a 
tha   lathair  agus    gealladh   na   beatha   a   tha 
ri  teachd  aig  a'  mhuinntir  a  ghluaiseas  ann 
an   eagal    Dlie.     Cha 'n 'eil   eursa   na   beatha 
so    ach    goirid,    eadhoin    aig    na    feadhainn 
a's   fhaide   a   gheibh   de   shaoghal,    agus   tha 
moran    a    tha    gealltuihn    sineadh    laithean 
dhaibh    fein    aig    toiseach    na    bliadhna    so 
a   bhios    anns    an    t-siorruidheachd   ma'n   tig 
i  gu  cricli.    Co  dhiu  a  tha  siune  am  measg 
na  h-aireamh  sin,   is   ann  aig   Dia  a   mhain 
a    tha   fios.     Ach    is    e    ar    dleasdanas    agm 
ar    gJiocas    dichioU    a    dheanamh    chum    an 
aimsir     ath^cheannach,     agus     ar    n-obair    a 
dheanamh    gu    dileas    ma'n    tig    an    oidhche 
anus   nach   h-urraiun   ueach   obair   a   dhean- 
amh.    Cha  "n 'eil   obair   no    aithreachas    anns 
an    uaigh. 

"S  e   uis    an    t-am   bhi   reidh    ri    Dia, 
'S  e  nis  an  t-am  thoirt  geill  do  'n  Triath, 
Am   feadh  's    a   mhaireas    la   nan    gras, 
Faodaidh    gach   neach    dol    as    o'n   bhas. 

Gn'ji  cuidicheadh  Dia  leinn  anus  a'bhliadh- 
na  so  ar-n  inntinnean  a  shocruchadh  air 
nithean  spioradail,  agus  ar  cridheachan  a 
thabhairt  suas  dha  fein,  chum  co  aca  a 
bhios  sinn  air  ar  caomhnadh  gu  bliadhna 
eilo  no  air  ar  gairm  gu  caithir  breithean- 
ais,  gu'm  bi  dochas  na  beatha  maireann- 
aich    againn. 

"Ann  cm  stri  dr  beatha,  aig  uair  ar  bciis, 
agus  ami  an  la  a'  bhreitheanais,  a  Thigh- 
earna,    nochd   dhuinn   do    throcair. 


AIRC  A'   CHOIMHCHEANGAIL. 


Cha  'n  'eil    creidimh    air    an    cualas    riamh 
iomradh  nach  'eil  a"  cleachdadh  shamhlaidh- 
ean    chum    firinnean    spioradail    a    theagasg. 
Tha   so   gu   sonruichte   fior   a   thaobh    creid- 
imh   nan    ludhach.     A    reir    am    beachd-san 
bha  latliaireachd   Dhe   ceangailte   ri  ionadan 
sonruichte    agus    ri    nithean    sonruichte    ann 
an    doigh    nach    robh  i  ceangailte    ri    aitean 
is    nithean    eile.     Ach    thug    iad    urram    da 
dh'  Aire  a'  Chomheheangail  nach  d'  thug  iad 
do     rud     sam     bith     eile,     oir,     fad     moran 
bhliadhnachan,   bha   iad    an   duil   gun _  robh 
an   t-Uile-chumhachdaeh   a' comhmiidh  innte. 
Faodaidh   e   bhith   nach   robh   na   sagairteaii 
a'  creidsinn  so,  agus  gur  h-ann  gu  samhlach- 
ail  's    cha  'n    ann    gu    litireil    a    bhiodh    iad 
a'  labhairt   ris   an   t-sluagh    mu   lathaireachd 
Dhe    anns    an    Aire,    ach    ciod    air    bith    a. 
bha   ann  an   inntinnean   nan  aodhairean,  tha 
e  coltach  gu'n  robh  a'  mhor  chuideachd  de'n 
t-sluagh    Ian    chinnteach    gu'm    b'e    an    Aire 
ionad-comhnuidh    an    Uile-chumhachdaich. 

Bha    an    Aire    air    a    gleidheadh    anns    an 
ionad    a    bu    naoimhe    de'n    phailliun.     Cha. 
robh    innte     ach     ciste     fhiodha,     mu     thri 
troidhean  is  sia  oirlich  am  fad  is  da  throidh 
an  lend  's  an  airde,   ach  bha  i  air  a  comh- 
dachadh     le     h-6r.      Bha    i    daonnan     air    a 
cumail    glaiste,    agus    an    uair    a    bhiodh    na 
sagairtean  'ga     giulan    o     aite     gu      h-aite, 
bliiodh  brat  air  a  sgaoileadh  oirre   chum  a , 
foluch    o    shuilean    an    t-sluaigh.     An    uair 
a    bha    clann    Israeli    ag    imeachd    amis    an 
fhasach,    bha   an    Aire   dhaibh   mar    cheann- 
iuil.    Agus  tharlaidh,   'nuair  a  bha  an  Aire 
gu    dol    air    a    h-aghaidh,    gu'n    d'  thubhairt 
Maois,     Eirich     suas,    a     Thighearna,    agus 
biodh    do    naimhdean   air   an   sgapadh,    agus- 
teicheadh  a'  mhuinntir  leis  am  fuathaeh  thu. 
Aireamh    x.    33.     Air    dhaibh    tir    a' gheall- 
aidh  a  ruighinn,  bha  an  Aire  air  a  gleidh- 
eadh.   an    toiseach    ann    an    Gilgal,    agus    a 
rithist  ann  am  Betel,  agus  'na  dheigh  sin  ann 
an   Siloh.    Ach   cha   robh  iad   a'  toirt  moran 
taimli     dhi,     oir     bhiodh     iad     'ga     eur     air 
eheann   an    airm    an    uair    a    rachadh   iad    a 
mach   a   chog-adh.     Ei   linn    Eli   bha   tuasaid 
eadao     clann     Israeil     agus     na     Philistich, 
agus  anns  a'  cheud  bhlal-  a  thug  iad  mharbh- 
adh   ceithir  mile   de   na  h-Israelaich.    "Agus 
thubhairt  seanairean  Israeil,  Carson  a  bhua,il 
an    Tighearna    sinn    an    diugh.     Thugamaid 
a   Siloh   aire   a'  choimheheangail   chum   gu  'a 
saoi-     i    sinn     a     lamb     ar     naimhdean'':  — 


3 


I 


Sainuel  iv.  3.  B'e  sin  a  rinn  iad,  chuir  iad 
teachdaireaii  a  dli'  iariaidh  na  h-airce,  agus 
an  uair  a  chunnaic  an  sluagli  i  air  a  giulan 
a  steaeli  do'n  clia,m]3,  dh'  eig-li  iad  le  h-iolach 
clio  mor  's  gu'n  do  fhreagair  an  talamli 
do  'n  fliuaim.  Ach  b'  fhearr  dliaibh  gu  "n 
d'  fhag  iad  an  Aire  far  an  robli  i,  oir  an 
atli  uair  a  thug  iad  blar  do  na  Pbilisticli 
mharbliadli  deieh  mile  ficliead  dhiubli  agus 
glilacadh  Aire  an  Tigliearna — masladh  eho 
mor  's  a  thainig  air  cloinn  Israeil  riamh. 
Ann  an  eeud-  leabhar  Shamueil  tha 
e  air  innseadh  eiamar  a  thug  aia  Philistieh 
aoidheachd  do'n  Aire  gus  ann  an  do  bliuail 
amharus  iad  naeh  b'e  aoidh  cneasda  sam 
bith  a  bha  innte  agus  am  bu  bhuidheach 
leo  a  chiste  neouaeh  ud  fhaotainn  as  an 
lamhan  air  eag-al  gu'n  tigeadh  driod- 
fhortan  ni  bu  mhiosa  'nan  caramh  no  am 
breathal  a  chuir  i  air  Dagon  agus  na 
neasgaidean  a  chuir  i  air  fir  Asdoid.  An 
deigh  dhaibh  a  gleidheadh  seachd  miosan 
chuir  iad  dhachaidh  i,  agus  tabhartas-eus- 
aontais  'na  cois,  mar  tha  leabhar  Shamh- 
ueil  ag  innseadh.  Ach  cha  ruigear  a  leas 
a    h-imeachd    a    leantuinn    ni 's    fhaide. 

An  uair  a  thog  Solamh  an  teamjaull  thug 
e  nios  an  Aire  a  baile  Dhaibhidh  agus 
chuir  e  i  'na  snidhe  anns  an  teampull  fuidh 
sgiathan  nan  eerubau.  Tha  e  air  a  radh 
ann  an  leabhar  nan  Eighrean  nach  robh  ni 
sam  bith  innte,  aig  an  am  sin,  ach  an  da 
chlar  cloiche  a  thug  Dia  do  Mhaois,  ach 
a  reir  beachd  nan  ludhach  bha  tuilleadh 
is  sin  anns.  an  Aire.  Tha  an  t-abstol  a 
sgriobh  an  litir  chum  nan  Eabhruidheach 
ag  radh  gu  'n  robh  na  tri  nithean  so  innte — 

(l^i  A' phoit  bir  anns  an  rohli  am  manna. 

(2)  Slat   Aaroin   a    bha   fo    bhlath. 

(3)  Clair    a'    choimhcheangail. 

Faodaidh  e  bhitli  nach  robh  iad  innte  ri 
linn  Sholaimh,  ged  a  bha  iad  innte  aig 
aon  am,  agus  gu'n  do  cliailleadh  no  oai'n 
do  bhriseadh  a'  ]:)hoit  oir  is  slat  Aaroin  an 
uair  a  bha  an  Aire  an  laimh  nam  Phil- 
isteach. 

Cha  'n'  urrainn  sinn  a  radh  ciod  a  dh' 
eirio  do'n  Aire  air  a'  eheann  mil  dheireadh. 
Rinn  Nebuchadnessar  larach  16m  de  bhaile 
naomh  lerusalem,  agus  faodaidh  e  bhitJi 
gu'n  do  loisg  e  a'  chiste  naomh  so  no  gu'n 
d'  thug  e  leis  i  do  Bhabilon  ma  bha  e  'n 
duil  gu'n  robh  luaeh  sam  bith  innte.  Tha 
cuiii  de  na  h-Iudhaich  a'  creidsinn  gu 
bheil  i  foluichte  an  aite  air  chor-eigin,  agus 
gu'n  tog  i  ceann  fhathast,  an  uair  a  thig 
am  Messiah. 


DOMHULL  -  NAN  -  lALL. 


Ged  nach  robh  moran  de  'n  t-saoghal  aig- 
Domhull-nan-iall  bha  e  gu  maith  sicir  'na 
dlioigh  fhein.  Bha  e  dichiollach  gun  teag- 
amh,  ach  a  chionn  nach  robli  a  lamh  ro^ 
ghrinn,  snasmhor,  cha  robh  a  thigh'nn  a 
stigh  ro  mhor.  Chuireadh  e  breabainean,  is 
sailtean,  is  ceireinean  air  brogan  mar  nach 
b'olc;  ach  duine  a  bheireadli  tomhas  a  choise 
dha  aon  uair,  cha  tug^adh  e  dha  e  uair  eile, 
air  fheabhas  's  gu'n  duraichdeadli  e  Domhull 
air  a  chothrom. 

Mar  a  thubhairt  mi,  cha  robh  tigh'nn  a 
stigh  Dhomhuill  mor.  Ged  a  bha  a  bhean 
stuama  eaomhantaeh,  bha  e  ionanu  'e  a  fairt- 
leacJiadh  oirre  iomflmasgladh  a  ghleidheadh 
dhaibh  fein  le  cheile  agus  d'an  triuir 
chloinne.  Aig"  a' eheart  am  eha'u  fhaodar 
aicheadh  nach  biodh  fiugheall  is  foghnadh 
aca  mur  b'e  gu'n  robli  Domhull  eho  trom 
air  a'  phiob  's  air  an  61.  Ach  bha  e  lag* 
obair  gu  goirt  agus  cha  b'  nilear  dha  rud 
hea.ii  air  uairean  a  ehumail  speirid  'na 
sheann  uilt.  B'  e  sin  a  bheachd  fein  co- 
dhiu.  Ach  bha  an  rud  heag  a'  cost  tri 
tasdain  '.s  an  t-seachduinn  dha,  agus  cha 
bu  bheag  an  cuideachadli  a  dheanadh  sin  ris 
a'  mhuirichinn. 

Bha  am  paisde  a  bu  shine  aig  Domhull^ 
Maireag — mu  dheicli  bliadhna  a  dh'  aois. 
Blui  i  'na  caileig-  ro  luracli,  ach  bha  i  riamh 
anfhaun  breoite.  B'e  ailleagan  an  tighe  i, 
agus  cha  robh  dealachadh  a'  dol  eadar  i  fein 
's  a  h-athair.  Raehadh  Maireag-  a  h-uile 
lath  a  do  eheann  eile  an  tighe  far  am  biodh 
e  ris  a'  ghriasachd  a  ehumail  cuideachd  ris, 
agus  dheanadh  i  c6mhradh  ris  oho  seangarra 
ri  seann  duine.  Air  uairean  thigeadh  greis 
thinneis  oirre,  aguB  shineadh  i  i  fein  air  an 
nrlar,  ach  bu  bhuidhe  leatha  a  bhi  eeall- 
tuinn  an  aodann  a  h-athar.  Cha  bhiodh  i 
toilichte  ach  an  uair  a  bhiodh  i  comhla  ris 
agus  cha  b'  uallaeh  leis-san  'obair  eho  fad 
's  a  bhiodh  i  mu  choinneamh. 

Bha  mios  is  mios  a'  dol  seachad  's  bha 
Maireag  uidh  ar-n  uidh  a'  snaidheadh  as. 
Bha  a  gruaidhean  a'  dol  an  taineid  's  an 
glaiseid,  agus  a  casan  a'  call  an  luis.  Thainig- 
oirr'3  mu  dheireadh  nach  b'  urrainn  dlii 
uiread  is  dol  do  eheann  eile  an  tighe  gun 
taic;  an  sin  riiin  a  h-athair  ard-leaba  dhith. 
Bhiodh  i  uis  's  an  leabaidh,  greis  a'  bruidh- 
inn  ris  agus  greis  ag  amhare  'na  aodunn. 
Bha  an  nine  a'  dol  seachad  mar  so,  ach  a 
dh'  aindeoin  a'  a-haoil  a  bha  aig-e  air  Maireie- 


agus  ail'  a  tlieaglilach  uile,  cha  do  leig 
Domhull  dheth  an  t-61  no  an  tombaca.  Mar 
sill  cha  robli  annas  no  ailleas  aca  agus 
•ciuniar  a  bhitheadh.  Bha  tuilleadh  's  a  b' 
urraiun  dhi  dheananih  aig  bean  Dliomhiiilt 
buntata  is  eeaiban  aodaich  fhaighiiin  do  'n 
teashlach  s-un  tia-hinn  air  annas  no   ailleas. 

Beag  no  mor  'g  an  coisueadli  Domhull,  dh' 
f hev,madli  e  an  aon  suim  a  chur  air  leth 
gach  SUthurna  niu  ehoinneamh  an  oil  's  an 
tombaca,  agus  rachadli  gach  bonn  dheth 
annta.  Bha  e  Ian  chinnteach  'na  bheachd 
fein  nach  rachadli  aige  air  'obair  a  dhean- 
-amli  mur  faigheadh  e  an  rud  beag,  agus  mur 
faigheadh  e  toth  de'n  phiob  an  deigh  gach 
tratii  bidh  bha  e  an  duil  nach  b'  fliiach  dlia 
-a  bhi  stri  ris  an  t-saog-hal.  Mar  a  b'  fliearr 
na  timeannan  is  aim  a  bu  trice  Domhull  's 
aa  tigh  osda,  ach  an  uair  a  theirgeadh  an 
t  -  airgiod  dh'  fhfeumadh  e  an  stuaim  a 
■clileaclidadh. 

Bha  Maireag  a'  sior  shioladh  air  falbh: 
Cha  b' urrainii  dhi  am  Ijuntiita  aghabliail. 
agus  an  uair  a  dh' flieucliadlr  i  ris,  rachadh 
■e  'na  h-aghaidh.  Ts  oaiiii  a  bha  i  ag  itheadh 
na  chumadh  an  ujiail  iniile.  "Mo  ghaol 
beag  i,"  ai's'  k  niathair,  latha  a  bha 'n  sin, 
"cha  bhi  i  beo  gun  bhiadli."  Is  anna  tha 
na  maoirneinean  boga  buntata  a'  toirt  a' 
ohridhe  aisde.  Is  truagli  nach  ami  agamsa 
.a  bha  beagan  de  iia  tha  na  li-uaislean  a'  cur 
an  clolaidh. 

"Tha  mallachd  a'  ruitli  na  bochdainne  co 
dhiu,"  arsa  Domhull,  le  gribhejg  nach  bu 
chleaclidadh  leis,  agus  e  a'  sealltuinii  air 
Maireig  a'  cur  uaipe  a'  bhidh.  "Mallachd 
■oirre,'  ars'  esan  a  ritliist,  "  mo  phaisdean 
beadrach  a'  dol  bas  leis  an  aoras  agus  an 
ailleas  aig  clann  nan  uaislean." 

Leis  an  an  t-shurdan  a  bha  aig  Domhull 
leis  a'  mhinidh  'e  leis  an  eill  bho  mhoch 
gu  duth,  cha  robh  gnothueh  righ  no  riogh- 
aehd  a'  cur  iomaguin  air,  agus  cha  deanadh 
e  tarmas  air  biadh  sam  bith  a  chuirteadli 
air  a  bheultliaobh.  Ach  bu  docha  leis  Mair- 
eag no  ui  fo  'n  ghrein,  agus  thug  e  suiomh 
air  a,  chridhe  a  blii  faioinn  mar  bha  i,  ae-us 
thoisich  e  air  monnihur  an  aghaidh  a 
chrannchuir.  Ach  aig  an  am  cha  bu  leir 
dha  gu  'n  robh  doigh  sam  bith  air  a'  chuis 
A  leasachadh. 

''Nach  h-urrainn  dhnit  dad  idir  a's  fhearr 
no  so  fhaotainn  do  Mhaireig,"  ars'  esan  r'a 
uihnaoi.  ".Cha  'n  'eil  doigh  agam  air,"  ars' 
ise  lo  h-osna.  "Air  cho  saor  's  'g  an  ceann- 
43,ich  mi,  's  air  cho  caomhanta  's  'ga  blieil 
mi,  is  ganngur. h-urrainn  dhomh  an  eiginii 
lahochd  so  fhein  a  chur  eruinn." 


Dh"  eirich  Domhull  o'n  "bliord  agus  thug 
e  eeann  eile  an  tighe  air.'  Thaiit  a  chridhe 
gu  tur.  Cha  do  cliuir  e  a'  phiob  air  *glileus 
oir  tlieirig  an  tombaca  air,  an  raoir  mar 
gu'm  b'  eadli.  Bha  aon  pheighinn  de  dh' 
airgicd-odhar  aige  agus  chuir  e  roimhe  cho 
luath  's  a  bliiodh  na  '  brogan  a  bha  'na 
lan)han,  deas,  tombaca  a  cheannach  's  an  tigh- 
osda,  air  a  dhol  seachad  a'dol  dhachaidh  leo. 
Ach  an  drasd  's  a  ritliist  thigeadh  Maireag 
fo  'aire.  Chuir  easlaint  is  uireasbhuidh  na 
caileige  luasgan  air  'inntinn.  Mu  dheireadh 
bha  na  brogan  uUamli  agus  le  iotadh  na 
pioba.  ghreas  -e  dhachaidh  leo,  ach  air  an 
ratliad  f aicear  biith  mhilseinean  agus  cuimh- 
niehear  air  Maireig.  "Nach  truagh  nach 
b'  urrainn  dhonili  rud  dlie  so  a  cheannach," 
ars'  esan  ris  fhein,  "ach  cha  ruig  an  dubh- 
bhochdainn   air '  annas    de'n    t-seorsa    so." 

Chum  e '  air-  is-  rainig  e  an  tigh-osda  a 
cheannaeh'  an  tombaca;  ach  aig  an  dorus, 
thainig-'  e  foiclhe — a'  cheud  uair  'na  bheatha — 
srian  a  chur  air  ana-miannaibh.  Ars'  esan 
ris  fein,  "Gheiblieadh  a  pheig-hinn  so  mils- 
ean  do  Mhaireig  ach  ciamar  a  dheanainn 
feum  gun  tombaca  an  diugh  's  am  maireach. 
Tliug^e  -greis  an  iom-chomhairle  mar  sin, 
air  "an  dara  laimli  a'  faicinn  iomhaigh  Mair- 
eig is.'tuar  a"  bhai.s  oirre,  's  air  an  laimh 
eihv 'ga  fhaicinn  fein  gu  tromsanach  gun 
to'fh  pioba  fad  da  latlia.  Shaoileadh  duine 
na'm  l>iodh  fior  ghaol  aige  air  a  leanabh 
nach  b'  urrainn  dha  a  blii  an  iom-chomhairle 
mu"n  chuis.  Bha  gaol  aig  oirre  gun  teag-amh 
acli  "an  car  a  bhios  's  an  t-seana-mhaide, 
is  duilich  a  tlioirt  as."  Duine  a  ni  droch 
chleaclidadh  dha  fein  mar  a  rinn  Domhull, 
cha  mlior  nach  'eil  e  cho  duilich  dha  ball., 
d'a    choluinn   a   ehall   ri   dealachadh    ris. 

Bha  an  sgillinn  aige  eadar  a  dha  miliar 
's  thug-i  e  ceum  eile  a  dh'  ionnsuidh  an  tigh- 
osda,  ach  thainig  iomhaigh  Maireig  eadar  e 
's  an  dorus  agus  stad  e.  Ged  nach  Tobh 
aige  ach  an  aon  pheighinn  ri  chost,  dh' 
eirich  spairn  nach  bu  blieag  'na  inntinn. 
Bha  gaol  Maireig  'g  a  theumadh  air  an  dara 
laimh  is  gaol  an  tombaca  air  an  laimh  eile. 
Nan  robh  da  pheighinn  aige  cha  bliiodh  an 
deuehaiun  cho  cruaidh,  oir  cheannaicheadh 
e  milsean  leis  an  dara  te,  is  tombaca  leis 
an  dara  te  eile.  Ach  cha  robh,  agnis  cha 
robh  doig-h  aig  air  a'  chuis  ach  e  fein  a 
bhi  gun  tombaca  no  Maireag  a  bhi  gun 
mliilsein.  Gun  a'  chuis  a  shoeruchadh  aig,. 
an  am  sin,  thiiirt  e  ris  fein,  "Chi  .mi  an 
ua'r  a  thilleas  mi  air  m'  ais,"  agus  togar- 
air  dhachaidh   leis   na   brogan. 

As   a     Ghaidheal. 


4 


■J. 


Air  2. 


1911. 


UGHDAE  AR  SLAINTE. 


Is  ami  mar  &in  a  ghradhaich  Dia  an  saoglial, 
gu'n  d'  thug  e  'aon-ghin  mhic  fein  chum 
is  ge  b'e  neach  a  chreideas  ann  nach 
sgriosar  e  ach  gu'm  hi  a  bhe-atha  shiorr- 
uidh  aige. — Eoin  iii.   16. 


Tha  siun  a  toirt  tarruing  air  na  briathran 
so  an  drasd  chum  aire  ar  luchd  leughaidh 
a  shocrucliadli  air  firinn  air  a  bheil  moran 
dliaoine  an  diugh  a'  deanamh  dearmaid,  is 
e  sin  r'a  radh,  gm-  li-e  Dia  an  t-atliair 
ughdar  ar  slainte,  agus  gur  h-e  gradh  Dlie 
an  tobar  as  a  bheil  na  h-uile  blieannachdan 
spioradail  a'srutliadh.  Bha  sinn  a' leughadh 
o  chionn  ghoirid  leabhar  anns  an  robli  duine 
tuigseacli  ag  innseadh  gu  saor  na  beachdan 
a  blia  aige  fein  air  Dia  'nnair  a  bha  e  'na 
bhalach.  Bha  e  'g  radh  gu'n  robh  dealbh 
'na  iuntiun  air  coltas  Dhe,  agus  naoh  robh 
an  dealbh  sin  idir  taitneach.  Bha  e  |a' 
smuaineachadh  air  Dia  mar  sheann  duine 
gruamach,  gun  aoibh  air  'aodann  no  blaths 
'na  chridhe,  deas  gu  daoine  a  ghlacadh  ann 
am  mearaehd.  Acli  bha  e  'g  radh  nach  b'e 
sin  idir  an  dealbh  a  tharruing  e  air  losa; 
bha  e  a'  smuaineachadh  air-san  mar  charaid 
caomhal  a  dhearbh  a  chaoimhneas  's  a 
•ghradh  do'n  t-saoghal  ann  an  doigh  a  bhean 
r'a  chridhe.  Bha  am  fear  a  sgriobh  lan 
leabhar  air  a  thogail  ann  an  dachaidh 
dhiadhaidh,  bha  e  air  a  theagasg  ann  an 
sgoil  Shabaid,  agus  bhiodh  e  a'  del  do'n 
eaglais  mar  bliiodh  daoine  eile,  ach  dh' 
aidich  e  gur  h-e  a  tharruing  e  as  gach 
teagasg  a  fhuair  e,  gu'm  b'e  losa  fior  char- 
aid  is  Slanuighear  an  t-saoghail,  's  nach 
b'e  Dia.  Faodaidh  e  bhith  nach  do  rinn  an 
duine  so  ceartas  uile  gu  leir  do'n  teagasg 
a  fhuair  e,  ach,  aig  a'  cheart  am,  tha  sinn 
an  duil  nach  'eil  e  leis  fhein  anns  a'  chuis 
so,  agus  gu  bheil  moran  dhaoine  a  tha  'g 
eisdeachd  ri  teagasg  na  h-eaglais  Chriosd- 
uidh,  Sabaid  an  deigli  Sabaid,  aig  a  bheil 
na  faireachduinnean  ceudna.  Ann  an  aon 
fhacal,  tha  gradh  aca  do  Chriosd  agus  ni 
iad  aoradh  dha  le  'n  uile  chridhe,  ach  cha 
'n  'eil  iad  a'  toirt  urram  no  gradh  do'n  Athair 


d'an  do  rinn  losa  fein  aoradh.  A  reir  am 
modh  labhairt  a  chluinnear  gu  "bitheanta, 
cha  'n  'eil  ach  aon  phearsa  anns  an  Diadh- 
achd,  agus  is  e  .sin,  losa,  mac  an  duine. 
Tha  e  fior  nach  'eil  e  furasda  do  dh'  inntinn 
blieag  an  duine  amhluadh  is  mearaclidan  a 
sheachnadh  an  uair  a  dh'  fheuchas  e  ri 
smuaineachadh     air     tri     pearsachan    a    tha. 

;  dealaichte  agus  fhathast  'nan  aon  ann  am 
beatha  na  Diadhachd,  ach  ged  nach  h-urr- 
aiun   dliuinn    a'  chainnt   anns    a    bheil   creud 

I   na    h-eaglais    a'  labhairt    air   an    Trianaid    a. 

I   thuigsinn    uile    gu    leir,    bu    choir    dhuinn,. 

!   co-dhiu,   greim   a   dheanamh   air   an   fhirinn 

I  so,  gur  h-ann  o  Dhia  a  thainig  losa  agus 
gm-    h-ann    ann    an    eridhe    Dhe    a    thoisich 

,  run-tearnaidh  an  t-saoghail.  Chuala  sinn 
ioim-adh  air  dealbh  a  tharruing  Papanach, 
chum  solus  a  chiu-  air  obair  nan  gras. 
Tharruing-    e    iomhaigh    Dhe    le    boglia  'na 

'',  lainili  as  an  robh  e  a'  tilgeadh  shaighead 
air    daoine    a    rinn    ceannaire  'na    aghaidh, 

I   agus  tharruing  e  iomhaigh  Chriosd  le  sgiath 

j  'na  laimh  leis  an  robh  e  a'  ceapadh,  aig 
cunnart  a  bheatha,  nan  saighdean  m'  an 
ruigeadh  iad  an  ceann-uidhe.  Cuiridh  an 
smuaiii  gairisinn  ann  am  feoil  dhaoine 
cueasda,  agus  an  aite  a  bhi  cur  solids  air 
obair  nan  gras,  tha  an  dealbh  a'  cur  breige- 
air  Dia  agus  a'  labhairt  toibheum  an  aghaidh 
an  Athar  chaomhail.  Tha  rud-eigin  cearr 
anns  an  teagasg,  ma  ghiulaineas  an  luchd 
eisdeachd  air  falbh  leo  an  smuain  gu  bheil 
Criosd  na  's  iochdmhoire  no  Dia.  Cha  'n 
ann  air  sgath  na  h-oibre  a  rinn  Criosd  a 
thionndaidh  eridhe  Dhe  ris  an  t-saoghal  ann 
an  gradh.  Bha  an  obair  sin  air  a  deanamh 
a  chionn  gu'n  do  ghradhaich  Dia  an  saoghal 
eheana.  Cha  b'e  na  thachair  air  Calbhari 
a  dhuisg  gradh  Dhe  do'n  t-saoghal;  b'e^ 
gradh  siorriudh  Dhe  an  t-aobhar  gu'n  dO' 
rainig  Criosd  Calbhari  idir.  Bha 'n  gradh 
na  bu  shine  no  'n  tiodhlac.  Cha  'n  'e  obair 
Chriosd  an  t-aobhar  ach  an  dearhhadh  air 
gradh  Dhe.  Is  e  gradh  an  athar  an  tobar 
as  an  do  shruth  an  t-uisge  beo  a  fhuair 
an  saoghal  ann  an  Criosd.  Ann  a  bhi  toirt 
a  mhic  do'n  t-saoghal  thug  an  t-athair 
seachad  a  bheatha  fein,  ann  an  seadh   fior. 


Cha  b'e  tiodlilac  nach  do  ehosd  dad  dha  a 
thug  e  seachad ;  thug  e  seachad  e  fein,  agus 
ann  an  losa  bha  Dia  air  fhoilllseachadh 
anns  an  fheoil.  An  uair  a  their  sinn  gu'n 
d'  thug  Dia  aon-ghin  mliic  do'n  t-saoghal, 
is  e  a  tha  sinn  a'  ciallaehadh  gu  'n  d'  thug- 
Dia  e  fein  do'n  t-saoghal  ann  an  losa. 
Is  e  so  a  tha  na  h-abstoil  uile  a'  ciallaehadh 
le  eras  Dhe.  Ann  an  gras  Dhe  chunnaic 
iad  mathair-aobhair  obair  na  slaiute.  B"e 
beath  is  bas  is  teagasg  losa  na  meadhonan 
-anns  an  robh  an  gras  sin  air  a  nochdadh 
do  'n  (t-saoghal,  ach  b'e  gradh  an  athar 
shiorruidh  an  tobar  as  an  robh  an  gras 
a'  sruthadh. 

Tha  sinn  an  duil  nach  'eil  e  chum  moran 
feum  do  pharantan  no  do  luchd  teagaisg 
a  bhi  a'  sior  iarraidh  air  an  cloiun  no  air 
an  luchd  eisdeachd  Dia  a  ghradhachadh, 
agus  gu  'm  biodh  e  na  bu  bhuannachdaile 
dhaibh  a  bhi  a'  cur  'nan  cuimhne  an  gradh 
a  tha  aig  Dia  dhaibhsan.  B'e  sin  an  doigh 
a  gliabh  losa  fein  ann  an  laithean  'fheola. 
Mur  'eil  gradh  aig-  daoine  do  Dhia,  is  e  an 
t-aobhar  nach  'eil  iad  a'  creidsiun  gu  bheil 
gradli  aig-  Dia  dhaibh.  Faodaidh  e  bhith 
gu  bheil  iad  a'  creidsinn  ann  an  gean-maith 
Dhe  do  'n  t-saoghal  anns  an  doigh  fhuar 
anns  a  bheil  iad  a'  creidsinn  firiuueau  eile 
nach  d'  fhairich  iad,  ach  cha  d'  fhuair  an 
emuain  greim  beo  riamh  air  an  cridhe.  Is 
e  dleasdanas  na  h-eaglais  agus  dleasdanas 
pharantan  luaidh  a  dheanamh  air  gradh  Dhe 
a-un  sa-iu-,  oir  is  e  sin  an  doigh  a's  ciuntiche 
air  gradli  dhaoine,  sean  is  6g,  a  chosuadli 
dha-san  a  ghradhaich  iadean  an  toiseach. 
lis  e  sgeul  aoibhinn  a  tha  anns  an  t-soisgeul, 
agus  bu  choir  dhaibhsan  a  tha  'ga  theag- 
asg  anns  an  tigh,  no  anns  an  sgoil,  no  anns 
an  eaglais,  feuchainn  ri  maise  Dhe  a  nochd- 
adh agus  gradh  Dhe  ardachadh  anns  g-ach 
doigh  a  cheadaicheas  an  eolas  dhaibh.  Is  e  an 
luchd  teagaisg  a's  fhearr,  a  reir  ar  beachd- 
ne,  iadsan  a  ni  Dia  an  t-athair  ion-mhiann- 
aichte  do  chridheachan  an  luchd  eisdeachd. 
Mur  dean  soisgeulaiehean  sin,  is  coma  dhaibh 
fein  no  d'  an  luchd  eisdeachd  ciod  a  their 
iad  air  cuspairean  eile.  Ma  tha  daoine  ag 
altrum  smuaintean  oearr  mu  thimchioll  Dhe, 
tha  iad  air  seacharan  anns  an  ni  a's  prionn- 
spalaiche  anns  a'  bheatha  spioradail,  oir  is 
e  na  beaehdan  a  tha  againn  air  nadur  Dhe 
clach  -  steidhe  ar  creidimli.  Tha  Dia  na  's 
maisiche  no  clann  nan  daoine  's  tha  gradh 
Dhe  do-rannsaichte,  agus  na'm  b'urrainn  an 
eaglais  sealladh  a  thoirt  do'n  t-saoghal  air 
Dia  inar  tha  e,  ann  an  iomlanaclid  a  mhaise 
agus  ann  am  mend  a  gliraidh,  thogadh  na 
miltean  an  guth  agus  theireadh  iad  le  gaird- 


eachas  —  Eiridh    mi    ague    theid    mi    a    dh' 
ionnsuidh   m'  athar. 

Is  e  gradh  Dhe  aobhar  ar  gairdeachais 
ag;ts  steidh  ar  dochais.  Co  an  Dia  ann  a  ta 
cosmhuil  ris-san,  a  mhaitheas  aingidheachd 
agus  a  ghabhas  seachad  air  eusaontais  a 
shluaigh,  oir  ar  Dia-ne  clia  ghleidh  e  a 
chorruich  gu  siorruidh  do  bhrigh  gur  toigh 
leis  trocair.  Dealaichidh  na  sleibhtean  ri  'm 
buuaitean  agus  atharraichear  na  beanntan 
as  an  aite,  ach  cha  dealaich  mo  chaoimhneas 
riut-sa,  's  cha  'n  atharraichear  comhcheangal 
mo  shith,  deir  an  Tighearna.  Ghradhaich  e 
sinn  le  gradli  siorruidh  agus  le  caoimhneas 
graidli  tha  e  'g  ar  tarruing.  An  ti  nach  do 
chaomhain  a  mhac,  eionnus  maille  ris-san 
nach  toir  e  dhuinn  gu  saor  na  h-uile 
uithean. 

Is  e  am  bas  spioradail  a  bhi  gun  ehreid- 
imli  gun  earbs  ann  an  gradh  Dhe.  Is  e 
sin  an  aon  pheacadli  nach  faigh  maitheanas, 
am  peacadh  an  aghaidli  gradh  Dhe.  Tha 
iadsan  a  chuireas  cul  ris  a"  ghradh  sin  a' 
meudachadh  bron  Dhe,  agus  a'  cur  an 
suaraclias  an  ni  a's  maisiche  's  a's  iongan'- 
taiche  air  an  cuala  daoine  no  ainglean 
sgeul. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE. 


Air  maduinn  Diluain  tha  e  mar  chleachd- 
adh  agam  sgriob  a  ghabhail  ann  an  coille 
bheithe  a  tha  air  cul  mo  thighe,  agus  ged 
a  bliios  mi,  air  uairean,  a'  toirt  rabhaidh 
do  dhaoine  eile  mu  'n  inntinn  fhalaimh, 
feumaidh  mi  aideachadh  nach  bi  moran  a' 
dol  troimli  m"  inntinn  fein  aig-  na  h-amannan 
sin  a's  fhiach  tigh'un  thairis  air.  Bha  fear  . 
de  'm  choimhearsnaich  anns  a'  chleir  ag  inn- 
seadh  dliomli  o  cliionn  ghoirid  gu  bheil 
'inntinn-san  air  ghleus  cho  maith  's  gu'n 
teid  aig-e  air  beachd  smuaineachadh  air 
nithean  diomhair  is  domliain  'n  uair  a  bhios 
e  a'  coiseachd  an  rathaid  no  ri  obair  anns 
an  lios.  Tha  mo  Charaid  'na  ghairnealair 
sonruichte  agus  ma  tha  a  shearmoin  cho 
gasda  ris  na  ceirslean  call,  's  na  currain, 
's  na  h-ubhlan  a  chunnaic  mi  'na  lios  ann 
an  deireadh  an  fhoghair,  cha  'n  'eil  aobhar 
gearain  aig-  a  sliluag-h.  Ach  ged  a  tha 
farmad  agam-sa  ris  an  t-seorsa  dhaoine  a's 
urrainn  an  smuaintean  a  chur  an  altaibh 
a  cheile  an  uair  a  bhios  iad  a'  ruamhar 
an  talanta  no  a'  frithealadh  do  sheilleinean, 
dh"  fliairtlioh  e  riamh  orm  da  obair  a  dhean- 
amh aig   an  aon  am. 

Tuigidh   tu   uaith   so,   a   leughadair,   nach 


I 

I 


lobli  smuaintean  eudthromaeh  sam  bith  a' 
ruitli  a'm  inntinn-sa  an  viair  a  shuidh  mi 
air  a'  mhaduinn  ghriaiiaich  so  air  stoc 
craoibhe  far  a  blieil  sealladh  farsiiing  agam 
air  gleann  clio  aillidh  'sa  tha  r'a  fhaicinn 
ann  au  Albainn  air  fad.  Tha  'n  geamhradh 
seachad;  tlia  am  seiuu  uau  eim  air  teaclid; 
agus  cha  oliualas  riamh  aig  Mod  Gaidheal- 
aoh  coisridh  clio  binn  ris  a'  choisridh  a  tha 
togail  nan  luinueag  auns  a'  choille  bheithe 
so   an    drasd. 

Tha   coisridh   mhuirneach   nam   pong   lughor 

Anns  gaeh  ur  dhos  uaigneach, 

Air  gheugaibh  dluth  nan  duilleaoh  ur  ghorm 

Cliuireadh  sunnd  fo  'n  diianaig, 

Le  'n   ribheid    ciiiuil    gu    foumhor   dluth 

Na  puirt  bu  shiubhlaich  ranntachd, 

'S  mac-talla   freagairt   fuaim   am   feadain 

Shuas  's    na    creagan    gleanntach. 

Bu  mliaith  learn  a  chreidsiuu  gur  h-ann  a 
chm?  failte  ua  maidne  orm  a  thog  an '  lon- 
dubL  a  tha  seinn  air  a'  phreas  ud  thall 
a  ghuth  ceolmhor.  Tha  aobhar  aige  a  bhi 
'na  m'  chomain  oir  is  trie  a  fhuair  e  a 
Ion  o'm  laimh  air  latha  geamhraidh  an  uair 
nach  biodh  e  furasda  dha  a  theachd-an-tir 
fhaotainn  air  dhoigh  eile.  Tha  e  furasda 
gu  leoir  dhomli  'aithneachadh  am  measg 
cliaich,  oir  tha  ite  gheal  ann  am  barr  a 
sgeithe.  Shaoileadh  tu,  an  uair  a  thogas  e 
fonu  nan  oran,  nach  robh  riamh  eun  cho 
naomh  no  cho  blatli  chridheach  ris  air 
thalamh,  agus  theireadh  tu  nach  biodh  ^ 
comasach  gu  'n  tigeadh  ceol  cho  neamhaidh 
a  bodhig  olc,  ach  is  e  an  fhirinn  nach  'eil 
anns  a'  chruiteir  rijs  a  bheil  mise  ag  eisdeachd 
le  uireacl  tiachd  ach  creutair  feineil,  mosach, 
cruaidh-chridheach.  Mheall  e  mi  gu  mor. 
Cha  'n  'eil  a  lieithid  de  ni  is  truas  'na  chridhe. 
An  uair  a  chuirinn  a  mach  air  boun  jia 
h-uinneig  sbruileach  arain,  bha  mi  a'  ciall- 
achadh  gu  'm  b'e  Ian  di  -  beatha  gach  eun 
beag  air  an  robh  an  t-acras,  a  chuid  a 
ghabhail  de'n  chuirm.  Ach  ged  a  bha 
barrachd  bidh  mu  choinneamh  an  loin-duibh 
na  b'  urrainn  dha  a  ohur  'na  bhroinn,  bha 
de  shannt  's  de  dh'  olc  anns  a'  chreutair 
mhosach  "s  nach  leigeadh  e  le  bru-dhearg 
no  glaiseun,  no  bricean-beithe  an  gob  a 
chur  air.  An  uair  a  dh'  fheuchadh  iad  ri 
crioraadh  fhaotainn,  thogadh  e  a  sgiathan 
agus  le  colg  eagallach  bhiodh  e  'nan  caramh 
gus  am  bu  bhuidhe  leo  fasgadh  fhaotainn 
anns  an  eidheann  o  chorruich  na  beisde. 
Cha  do  rinn  righrean  borb  na  h-aird  an 
ear  riamh  lamhachas-laidir  no  ain-tighearn- 
as  air  au  iochdarain  na  bu  chruaidhe  no  rinn 
an    lon-dubh    so    air    na    h-eoin    eile.     Ach 


tliachair  a  sheise  ris  mu  dheireadh.  Tha 
coileach  peucaig  agam,  agus  tha  e  coltach 
gu'n  do  thuig  esan  mar  bha  cuisean.  Cho 
luatli  's  a  chluinneadh  e  an  uinneag  'ga 
togail  thigeadh  e,  le  ceum  statail,  a  dh' 
ionnsiudh  na  euirme.  Ghabhadh  e  a  chuid 
fhein  de  na  bha  dol,  ach  ged  nach  cuireadli 
e  dragh  sam  bith  air  na  h-eoiu  bheaga, 
cha  leigeadh  e  leis  au  lon-dubh  aon  Jan- 
beoil  a  thogail.  Cha  'n  'eil  fios  agam-sa  ciod 
a  bha  am  bru-dhearg  's  am  bricean-beithe 
ag  radii  riu  fein,  an  uair  a  thainig  an  tionu- 
dadh  ud  air  cuibheal  au  fhortain.  oir  cha 
do  thuig  mi  an  eainnt,  ach  bha  e  furasda 
gu  leoir  dhomh  a  thuigsinn  ciod  a  bha  an 
lon-dubh  ag  radh  ris  a'  pheucaig,  'na  shuidhe 
air  stob  ann  an  sealladli  na  euirme  aig  nach 
faodadh  e  siddhe.  An  drasd  's  a  rithist 
leumadh  e  os  cionn  na  peucaig  a'  crathadh 
a  sgiathan  's  a  sgriachail  gu  h-oillteil.  Cha 
robh  moran  ciuil  'na  ghuth  's  cha  b'e  am 
port  a  b'fhearr  a  bha  'lia  bheul.  An  uair 
a  theid  duine  no  beathach  bharr  a  shiuil 
's  a  tlioisicheas  e  air  mionnachadh  tha  e 
furasda  gu  leoir  a  thuigsinn  ciod  a  tha  e 
ris,  CO  dhiu  a  bhios  e  a'  toirt  faochadh  d'a 
dhroch  nadur  ann  an  Bemda,  no  Fraingeis, 
no  Greugais,  no  Eablira,  no  eadhoin,  ann 
an  canain  nan  eun,  agus  bha  guidheachan 
an  lon-duibh  air  uairean  cho  gabhaidh  's 
cho  .sgreataidh  's  nach  leigeadh  mo  naire 
leam-sa  an  cur  sios  air  an  duilleig  so.  Ach 
tha  fuachd  is  acras  a'  gheamhraidh  seachad, 
agus  faodar  maitheanas  a  thoirt  do'u  lon- 
dubh  air  sgath  a'  chiuil  mhaisich  leis  a 
bheil  e  a'  togail  mo  chridhe  air  a'  mhaduinn 
so.  Ged  a  tha  mise  a'  faotainn  maith  nan 
dan  a  tha  esan  a'  seinn,  tha  mi  gle  chinn- 
teach  nach  ann  air  sgath  mo  thoileachaidh 
a  ghleus  e  ar  ibheid,  ach  'ga  thoileachadh 
fein  agus  a  chur  an  ceill  gaol  a  chridhe  do 
leannan  air  chor-eigiu  a  tha  am  folacli  anns 
an  doire.  Bithear  ag  radh  nach  'eil  anns  an 
lon-dubh  ach  piobaire  an  aona  phmrt,  ach 
cha  'n  'eil  sin  fior.  Dh'  atharraich  e  port 
ceitliir  uairean  o  shuidh  mise  air  an  stoc 
craoibhe  so,  agus  is  e  so  fear  de  na  puirt 
a   sheinn   e,   facal  air   fhacal. 

Bun   a    ghuib,   air   a   ghuib, 
Barr   a    ghuib,    air   a   ghuib 
Eun   dubh    air   an    nead 
Sheinn  an  Ion  dubh 
Eun  dubh,  ho,  ho,  ho 
Gradli  air   na  feadagan. 

Tha  mi  gle  chinnteach,  a  leughadair,  gur 
beag  agad-sa  c'aite  no  ciamar  a  sgriobh 
mise  an  seanchas  a  bhios  mi  a'  toirt  dhuit 
ann    an    leabhar    dearg    na    h-eag-lais.     Ach 


8 


bu  mliaith  learn  fios  a  bhi  agad  gu  'm  bi 
mi,  air  uairean,  'ga  sgriobhadh  air  an  stoc 
cxaoibhe  air  a  bheil  mi  an  drasd  'na  m' 
shuidhe  auns  a"  choille  bliig  bhoidliicli  so, 
agus  gur  li-e  sin  an  t-aobhar  gu  'm  bi 
faoineas  is  goraiclie  a'  tuiteam  o  bharr  mo 
pliinn  naeli  'eil,  a  reir  do  bheaclid-sa,  idir 
freag-arraeh  do  phearsa  eaglais.  Ach  a  dh' 
innseadh  na  firinn,  cha  'n  ann  'ga  d'  thoil- 
eaehd-sa  a  thug  mi  lamh  air  a'  pheann  an 
diugh  ach  'ga  m'  thoileachadh  fein,  agus 
ged  a  chuir  an  lon-dubh  mo  smuaintean 
bharr  an  cursa  car  greis,  tillidh  mi  a  nis 
air  m'  ais  a  dh'  ionnsuidh  an  ruin  diomhair 
a  bha  'na  m'  inntinn  'nuair  a  dh'  iarr  mi 
samhchair  na  coille  bheithe  air  a'  mhaduinn 
ghrianaich  so.  Ged  is  narach  e  r'a  innseadh, 
chuir    nii    romham    gu'u    deanainn    aoir. 

Aoir,  ars'  thusa 

'S   eadh  aoir,   ars'   mise 

'S   iomadh   cearn   a   shiubhail   mi 

Agus  ceum  a  thriall  mi 

Ach  aoir  am  beul  ministeir 

Cha  chuala  duiue  riamh  e. 

Feumaidh  *mi  innseadh  dhuit  gu  bheil  mi 
air  mo  sharachadh  leis  na  radain,  a  tha  an 
imf)is  m'  fhardach  a  chur  fodhpa  fein. 
Cha  ruig  mi  leas  mo  ghearan  a  dheanamh 
ris  a'  chleir,  oir  tha  na  biasdan  cho  beag- 
narach  's  nach  toir  iad  ho-ro  air  lagh  no 
bagraidhean  na  cleire.  Thug  bana-charaid 
choir  cat  dhomh  ach  tha  'n  eat  air  fas  neo- 
dhleasdanaoh,  agus  an  aite  bhi  'g  oibreach- 
adh  gu  dichioUach  air  son  a  loin,  eha'n'eil 
dad  a'  ruith  'na  inntinn  o  thainig  an  t-earr- 
ach  ach  a  bhi  suiridh  air  cait  Bhailuain.  Tha 
e  cho  glan  'na  bhian  's  cho  deas  'na  phearsa 
ri  cat  's  an  duthaich,  ach  cha  'n  'eil  e  idir 
coguiseach,  's  cha  'n  'eil  ann  ach  ramailear 
gun  f Ileum. 

Ann  an  toiseach  a'  gheamhraidh  cha  robh 
mu  'n  cuairt  mo  thighe  ach  aon  radan, 
agus  ged  a  bu  choma  leam  ged  bhithinn 
as  eugmhais  stairirich  an  fhir  sin  fhein, 
cha  do  ghabh  mi  moran  umhail  dheth  oir 
bha  e  'na  chreutair  car  ciallach  aig  an  robh 
urram  do  'n  t-Sabaid.  Mu  Shamhuinn  dh' 
fhao-  e  mi  agus  chaidh  e  air  imricli  air 
chor-eigin,  ach  air  la  Fheill  Bride  thainig 
e  air  ais,  agus  ma  thainig,  cha  b'  ann  'na 
aonar.  Tha  bean  is  clann  is  oghachan  aige 
a  nis,  aguis  is  e  sin  an  teaghlach  gunsmachd. 
Eadar  biogail  is  gearradli-leum  is  stairirich 
is  iorghuill  nam  biasdan,  bha  e  cho  mhaith 
dhomhsa  an  tlgh  fhagail  aca  fhein,  oir  dh' 
fhogair  iad  gu  buileach  an  t-sith  's  an 
t-samhchair  a  bha  riaghladh  anns  an  tigh 
so.     Ma    bha    urram    aig    an    t-seann    fhear 


do'n  t-Sabaid,  cha  'n  'eil  sin  aig  an  oigridh- 
agus  is  e  oidhche  na  Sabaid  an  aon  oidhche 
aca  airson  cuirm  is  fleadhachas.  Tha  amh- 
arus  agam  gu  bheil  iad  a'  toirt  ciureadh 
do  gach  radan  eadar  Bruar  is  Ceann  na 
Coille  tigh'nn  air  cheilidh  orra  air  oidhche 
na  Sabaid,  agus  cha  'n  e  sin  ceilidh  nan 
uaislean.  Cha  bhi  iad  fada  comhla  'nuair 
theid  an  eeol  air  feadh  na  fidhle  "sa  theid 
na  seoid  air  mhire  chath.  An  raoir  ghabh 
iad  an  cuthach  gu  buileach. 

Bha  mo  dheagh  charaid,  ministear  Dhubli- 
rais,  'ga  m'  amharc  o  chionn  ghoirid  agus 
air  dhomh  innseadh  dha  mar  bha  sith  mo 
thighe  air  a  milleadh  leis  na  radain,  thuirt 
e  rium.  Dean  thusa  aoir  dhaibh  agus  cuiridh 
sin  teicheadh  orra.  Aoir,  arsa  mise!  'S 
eadh,  aoir,  ars'  esan. 

Tha  ministear  Dhubhrais  anabarrach  fios- 
rach  air  seann  nithean,  agus  dh'  innis  e  dhomh 
gu'n  d'  fhuair  na  h-athraichean  glic  a  maeh 
o  chionn  nan  ceudan  bliadhna  nach  seas  an 
radan  a's  dalma  ri  aoir,  agus  gur  fearr  leis 
dol  troimh  theine  's  troimh  uisge  seaeh  eisd- 
eachd  ri  rannan  anns  a  bheil  fochaid  air 
a  dheanamh  air  fhein.  Cha  b'  urrainn  dha 
innseadh  dhomh  ciod  a's  aobhar  de'n  ni 
iongantach  so,  ach  bhoidhich  e  gur  h-e  smior 
na  firinn  a  bha  e  a'  labhairt,  agus  dh'  aithris 
e  dhomh  rannan  leis  an  d'  fhuadaich  fear  a 
bha  ann  am  Baideanach  na  radain  o  shabhal 
Bhiallaid  gu  Dailnaspideal,  agus  rannan  eile 
leis  an  do  chuir  Pear  Srath  Mhathaisidh 
sgaoth  dhiubh  a  thoirt  lom-sgrios  air  osdair 
nach  bu  toigh  leis  an  Dun-Cliaillinn.  Cha 
'n  'eil  cuimlm'  agam-sa  ach  air  aon  rann 
de  na  cliuala  mi 

Ma  ghabhas  sibh  mo  chomhairl',  radain, 
Truisidh  sibh   oirbh   is   bidh   sibh   falbh.- 
Ma  theid  mis'   a  dheanamh  aoir  dhuibh, 
Cha    bhi    aon    agaibh    gun    chearb. 

Cha  do  sliaoil  mise  gu'n  robh  faireachd- 
uinnean  maoth  is  tiom  aig  creutairean  cho 
olc  ris  na  radain,  ach  tha  creideas  agam 
ann  am  facal  's  an  gliocas  mo  charaid,  agus 
an  deigh  na  gleadhraich  's  na  h-upraid  a 
rinn  iad  an  raoir,  chuir  mi  romham  nach 
rachadh  grian  eile  fodlia  gus  am  faigheadh 
iad  an  diomoladh  ann  an  Gaidhlig  chruaidh,. 
Thirisdeach.  Their  thusa  rium,  a  leughadair, 
gur  suarach  an  obair  e  do  dhuine  glic  a 
bhi  'na  shuidhe  air  stoc  craoibhe  air  maduinn 
Diluain  a'  deanamli  aoir.  do  radain.  Tha 
mi  gle  choma  ciod  a  their  no  shaoileas  tu, 
ach  ma  tha  eifeachd  anns'  an  leigheas  a 
thug  mo  dheagh  charaid  dhomh-sa,  eha'n'eil 
radan  anns  a'  bhaile  so  nach  bi  'earball  air- 
a  fi'hualainn  a  nochd  a'  deanamh  air  Peairt . 


■al 


Air  3. 


1911. 


D' AR  LUeHD  LEUGHAIDH. 
An  toiseach  na  bliadhna  dh'  iarradh  oiinn 
a  radh  nach  biodh  na  duilleag-an  Gaidhlig  so 
air  an  cur  a  mach  ach  uair  's  an  raidhc  an 
aite  uair  's  a'  mhios.  Ach  aig  an  Ard 
Sheanadh  mu  dheireadh  rinn  an  eaglais  ath- 
chomhairle,  's  dh'  iarradh  #irnn  a  radh  a 
nis  gu'm  bi  Gaidhlig-  air  a  toirt  dhuibh  a 
h-uile  niios  mar  b'  abhaist.  Ma  tha  sibhse 
toilichte  leis  a  so,  cha  'n  'eil  sinne  diumbach. 
Cha  robh  sinne  aig  an  t-seanadh  am  bliadh- 
na; ach  ma  's  fior  na  chuala  sinn,  h'  o 
ministear  a'  Ghearasdain  a  bu  duine  's  bu 
dithis  ag  iarraidh  na  Gaidhlig  air  ais.  Thog 
e  fein  is  ministearan  Gaidheakch  eile  an 
guth  an  aghaidli  nan  duilleagan  so  a  thoirt 
uapa,  agus  dh'  cisd  at.hraichean  na  h-eaglais 
r'an   comliairle. 


AN    T-OLLAMH    COINNEACH 
MAGCOINNICH     NACH     MAIREANN. 


Thainig  a'  chrioeh  gu  h-aithghearr  air  an 
duine  choir,  seann  mhinistear  Ghinnghius- 
aich,  air  an  deicbeamh  la  de'n  mhios  a  chaidh 
seachad.  Is  beag  a  shaoileadh  duine  sam 
bith  a  cliunnaic  e  ann  an  Duneideann  aig 
am  an  t-Seanaidh  gu'n  robh  a'  (^lirioeh  cho 
dluth.  Bha  e  anns  a'  ehathair  aig  cruinn- 
eacliadh  mor  de  na  Gaidheil  agus  bhatar 
ag  radh  air  gach  laimh  nach  facas  riamh 
e  ann  am  fonn  a  b'  fhearr.  G^ed  bha  e  os 
cionn  ceithir  fichead,  's  a  bha  neul  na  h-aoise 
a'  toiseaehadh  air  luidhe  air  aodann,  bha 
chuimhne  's  a  mheomhair  cho  mhaith  's  a 
bha  iad  riamh,  's  cha  d'  thainig  failinn  air 
cuimse  fhacail.  Ma  's  maith  ar  cuimhne, 
is  ann  dha  a  bhuiueas  an  t-urram,  a'  clioinn- 
eanili  bhliadhnail  a  tha  aig  ministearan  is 
foirbhich  na  Gaidhealtachd  a  chur  air  chois, 
agus  cho  cinnteach  's  a  thigeadh  an  latha 
bhiorth  e  fein  air  cheann  na  cuideachd.  Aig 
a'  mhionaid  mu  dheireadh  am  bliadhna  ghabh 
e  a'  chatliair  aig-  a'  chruinneacliadh  so  an 
aite  fir  eile,  agus,  mar  b'  abhaist  dha  a 
dheauamh  daonnan,  thagair  e  as  leth  na 
Gaidhealtachd  le  h-eud  is  sprachd.  Is  beag 
a  bha  duil  aig  na  bha  lathair  gu'n  robh 
iad  ag  eisdeachd  r'a  bliriathran  deireannach; 
ach  cha  robh  e  idir  neo-fhreagarrach  gur 
h-ann  aig  a'  chomhdhail  ud  agus  air  a' 
cheart  chuspair  air  an  robh  e  a'  labhairt  a 
chluinneadh  an  eaglais  a  ghuth  airaon  na 
h-uaire  deireannaich.  Beagan  uine  an  deigh 
dha  del  dachaidh  bhual  am  bas  as  a  sheas- 
amh  e. 

Tha      sinn      duilich      nach      robh       uinc 


againn    iarraidh    air    cuid  -  eigin    d'  am    b' 
aithnc    e    na    b'  fhearr    no    b'  aithne    dhuinn 
fein  eunntas  a  thoirt  air  a  bheath  is   obair 
d'ar  luchd  leughaidli.    Ach  g-ed  nach  g-abhadh 
sin    deauamli,    cha    bu     mhaith     leinu    gu'n. 
rachadh  an  aireamli  so  a  mach  gun  iomradh 
goirid  air  choreigin  air  an  duine  ghasda  so 
a  rinn.  gu  reidh,  samhach,  obair  fhiachail  ann 
an  aobhar  an  Tighearna  's  a  Ghaidhealtachd . 
Rugadh    e    an    1829    ann    an    :Lochcarran 
far  an  robh   'athair   'na  mhinisteir,  agus  an 
deigh  has  'athar,  shuidhiehoadh  e  fein  anns 
an   sgireachd   sin.     Dh'  fhag   a"  mhor   chuid- 
eachd   de    mhuinntir    Lochcarran   an   eaglais; 
steidhichte   ann  an    1843,   agus   bha   coimth- 
ional  Mhic  Coiunich  cho  beag   's  gu'n  robh 
e   car  greis   ann  an  iom-chomhairle   co-dhiu 
a  dh'  fhanadh  e  an   Lochcarran  no   rachadh 
e  do  dh'  Asti-alia  no  de  cliearn  air  chor-eioin 
far  am  faigheadli  e  obair  duine  ri  dheanamh. 
Chuala  sinn  e  'g  radh  aon  uair  "  Ged  nach 
robh    mo    thuara-sdal    mor    bu    mhaith    leam 
fhaireachduinn  ^u'n   robh    mi  'ga    chosnadh 
gu   h-onorach,    agus    a     chionn     nach     robh 
iarrtus    sam    bith    aig    an    t-sluagh    air    mo 
shaothair   mar   mhinistear,    's    nach   robh   m' 
obair    anna    an     sgireachd     trom,    chuir    mi 
romham    gu'm    feuchainn    ciod    a    ghabhadh 
deanadh  anns  na  sgoilean."   B'ann  mar  so  a 
thoisich  e  air  an   uigh  sin   a  ghabhail   ann 
an  sgoilean  na  Graidhealtachd  nach  do  chaill 
e  gTis  an  latha   mu  dheireadh   d'a  bheatha. 
Cha   b' urrainn  dha   bhi   diomhaineach ;    bha 
e    gu    nadurra     easgaidh,     durachdach      'na 
spiorad  agus  gun  leisg  ann  an  gnothuichean ; 
agus  m'an  d'  flrng  e  Lochcarran  bha  aobhar 
aig  an  oigTidh  a  bhi  'na  chomain.    Ann  an 
1867  ghaii-meadh  e  do  sgireachd  Chinnghius- 
aich  far  an  do  chuir  e  seachad  an  corr  d'a 
laithean.    Tha  sgoil  an  diugh  anns  a'  bhaile 
bheag   sin    nach  'eil    fad    air    dheireadh    air 
na  sgoilean  a's  ainmeile  's  na  bailtean  mora, 
agus   is    ann   do  'n    Ollamh   Mac    Coinneach 
a      bhuineas      a      chliu      sin.       Cha    'n      e 
mhain    gu    'n    do    rinn    e    maith     mor    do 
Bhaideanach    's     do     shiorramachd    lonaruis 
anns   an   doigh   so,   ach   rinn   a   tliagar  's   a 
ehomhairle    feum    nach    beag    do'n    Ghaidh- 
ealtachd   uile,     oir    bha     earbsa  -aig    luchd- 
riaghlaidh    is     maithean     na      duthcha      'na 
ghliocas  's  'na  fhiosrachadh,  agus  bheireadh 
iad     daonnan     eisdeachd     dha     'uuair      bha 
gnothuch  sam  bith  a  bhuineadh  do  sgoilean 
na     Gaidhealtachd     r'a     cheartachadh .     Cha 
robh  brocair  riamh  air  lorg  sionnaich  a  bu 
gheire    suil    's    a    bu    ghlainne    cuinnein    no 
ministear  Chiunghiusaichfc  'nuair  a  bu  mhaith 


10 


leis  forfliai^  fhaotainii  air  balaich  tliapaidli 
A  b'  fhiacli  an  cumail  air  aghaidh  ami  an 
sgoil.  Bha  e  'g  an  cruinneaehadh  as  gach 
cearn  de  'n  Ghaidhealtachd,  o  Bhuta  Leogh- 
-ais  gu  Maol  Cliinatire,  agus  faodar  a  radh 
gu'n  robh  e  do'n  oigridh  sin  car  coltach 
mar  bha  Eliah  do  mhic  nam  faidhean. 
Chithear  ann  an  eaglais  Cliinnghiusaicli  air 
laimh  dlieis  na  lobhta  buidheann  de  sgoil- 
-earan  oga  a  dli'  fhaodar  a  choimeas  ri  '  mic 
nam  faidhean'  ann  an  Gilgal.  Is  ann  as 
.am  measg  sin  a  thainig  moran  de  na  min- 
istcaran  a  tha  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
an  diugh. 

Cha  robh  eaglais  Chinnghiusaich  aeh  gie 
lag  'nuair  a  ishuidhicheadh  e  innte;  ach  uigh 
jxr  n-uigh,  chruinnich  e  coimhthional  gus 
a  bheil  an  eaglais  an  diugh  faisg  air  a 
blii  lau.  Tha  e  gle  bhitheanta  a'  tach- 
airt  nach  fheairrd  a  sgireaohd  fein  e,  ma 
thoisicheas  ministear  air  gnothuichean  a 
^habhail  os  laimh  an  taobh  a  muigh  dhi, 
ach  cha  b'  urrainn  muinntir  Bhaideanach  sin 
a  radh  mu'n  Ollamh  Mac  Goinnich,  's  cha 
inlio  a  theireadh  iad  e.  Bha  meas  mor  aca 
aij',  's  cha  robh  uair  riamh  a  bha  sinn  ann 
.an  seanchajs  ri  feadhainn  dhiubh  nach  tugadh 
iad  greis  air  moladh  am  ministear  's  air 
innseadh  dhuinn  nach  robh  sean  no  6g  anns 
an  saireachd  nach  b' aithne  dha.  Bu  choma 
leis  CO  dhiu  a  bhuineadh  daoine  d'a  choimh- 
thional  no  nach  buineadh  ;  blia  e  daounan 
deas  gu  caoimhneas  a  nochdadh  is  comhstedh 
a  dheanamh  dhaibh.  Bha  e  anabarrach  glic, 
-crionna,  g-eur;  Ian  tiiir  is  toinnisg  ann  an 
nithean  aimsireil,  agus  is  iomadh  duine  nach 
buineadh  d'a  choimhthioital  a  rachadh  a  chur 
a  chomhairle  ris  os  iosal.  Bha  c«ann  maith  air, 
's  bha  fios  aig  an  t-saoghal  uile  nach  bu 
iea-sg  leis  dragh  a  ghabhail,  agus  gu'm  b' 
fhiach  a  bharail  a  faotainn.  'Nuair  a  bha 
a  choimhthional  fein  a'  cur  failte  air  aig 
fleadhachas  a  rinn  iad  air  co-ainm  an  la 
anns  an  robh  e  coig  bliadhna  fichead  posda, 
b'e  so  cuid  de  'n  fhailt  a  chuir  iad  air — 
"  Bu  mhaith  leinn  innseadh  dhuibh  cho  mor 
's  a  tha  sinn  'n  ur  comain  airson  an  durachd 
^s  an  dilseachd  leis  an  do  ghiulain  sibh  sibh 
iein  anns  an  obair  naomh  anns  an  do  shaoth- 
raich  sibh  cho  fada,  agus  air  son  'ur  dichill 
anns  gach  ni  a  bhiodh  chum  leas  is  soirbh- 
•oachadh  sluagh  na  sgireaohd  so."  Cha  b' 
urrainn  e  cliu  a  b'  fhearr  fhaotainn  no  gu'n 
abradh  a  choimhearsnaich  's  a  shluagh  fein 
sin  uime,  agus  faodaidh  sinne  a'chuis  fhagail 
mar  sin. 

Cha  b'  aithne  dhuinn  duine  eile  a  bu 
«h6ire;  'na  thigh  fein.  Bha  e  daonnan 
Jiunntach,  deas  is  abhacach  'na  fhacal  's  na 
dhoighean.  Bha  e  gu  nadurra  'na  dhea^h 
«heanchaidh  ;     bha    cuimhne    mhaith   aige  ; 


cluinnaic  is  chual  e  daoine  is  nithean  a  b' 
fhjaeh  tigh'nn  thairis  orra  ;  agus  'nuair  a 
raehaxih  e  an  ceanu  seanchais  cha  b'  uallach 
eisdeachd  ris.  Cha  robh  dad  a  bha  dol 
air  aghaidh  o  thigh  Iain  Ghreota  gu  Dun- 
eideann  nach  robh  fios  aig  air,  agus  ma 
bha  an  dotair  air  ghleus  maith — 's  cha  bu 
bhitheanta  leis  a  bhi  air  atharraehadh — dh' 
fhaodadh  am  fear  a  rachadh  air  cheilidh  air 
a  bhi  cinnteach  gu  'm  faigheadh  e  moran 
fiosrachaidh,  agus,  air  uairean,  seudan  glioc- 
ais,  ach,  daonnan,  iomadh  ni  a  bheireadh 
gaire  air.  'Na  dlioigh  reidh  ehiallach  fein 
bha  e  'na  shearmonaiche  maith  an  Gaidhlig 
's  am  Bciu'la,  ged  nach  robh  fileantaclid  a 
bhiiatliran  idir  cho  cinnteach  ri  - g-eiread  is 
soilleireachd  'inntinn.  Cha 'n 'eil  iongantas 
ged  tha  criochan  Bhaideanach  a'  deanamh 
caoidh  air  a  shon,  oir  chaill  iad  ministear 
maith  is  fior  fhear  duthcha.  Is  fhad  a  bhios 
cuiniline  air  an  duine   choir. 


SEANN  NITHEAN. 


Air   dhomli   na  nithean  a   ta  air   mo   chul  a 
dhicJiinmhneachadh,  etc. — Philip,  iii.  13. 


An  uair  a  thoisich  Pol  air  an  litir  so  a 
sgriobhadli  gu  eaglais  Philippi,  tha  e  coltach 
nach  robh  e  a'  ciallachadh  gu  'm  biodh  i  cho 
fada  's  a  tha  i.  Thujo'  e  ionnsuidh  air  sgur 
aig  deireadh  na  dara  caibideil  agus  bha 
na  h-earailean  deireannach  direach  air  barr 
a  phinn  'nuair  a  chuir  rud-eigin  stad  air 
agus  b'  fheudar  dha  an  litir  a  chur  seachad 
aig  an  am.  Cha  'n  urrainnear  a  radh  c'uiu 
a  thill  e  rithe — co  dhiu  a  rinn  e  sin  lan 
ceann  beagan  mhionaidean  no  an  ceann 
seachduinn — aeh  tha  e  soilleir  gu'n  cual  e 
rud-eigin  m'an  do  thoisich  e  a  rithist  a 
chuir  a  smuaintean  bharr  an  cursa;  oir,  an 
aite  criochnachadh  mar  bha  e  a'  ciall- 
achadh a  dheanamh  an  toiseach,  tha  e  a'toirt 
tarruing  air  cuspair  ur  agus  a'  toirt  deannal 
air  a  sheann  naimhdean,  no  mar  thubhairt 
e  fein,  coin  is  droch  luchd-oibre.  Faodaidh 
e  bhith  gu'n  d'  innseadh  dha  gu'n  robh  iad 
sin  a'  deanamh  aimhreit  agus  a'  feuchainn 
ris  na  creidmhich  a  thaladh  air  falbh  o 
shoisgeul  nan  saor  ghras  a  shearmonaicli 
esau,  gu  cleachdannan  ludhach  is  cuing  na 
daorsa.  Sliaoil  Pol  gu'n  d'  thug  e  cheana 
buille-bhais  do'n  t-seorsa  teagaisg  sin,  agus 
gu'n  do  steidhieh  e  buill  na  h-eaglais  gu 
daingean  anns  an  t-saorsa  leis  an  do  rinn 
Criosd  saor  iad  ;  ach  air  dha  a  ehluinntinn 
gu'n  robh  iad  a'  togail  an  cinn  as  iir  chunn- 
aic  e  gu'm  bu  ghlic  dha  muinntir  Philippi 
a  chur  'nan  earalas  orra.  Is  e  isin  an  t-aobhar 
gu  bheil  e  a'  toirt  tarruing  air  timchioU- 
ghearradh   anns    an    litir   so.     Tha   e    a'  cur 


11 


"nan  cuinilme  nach  i-uig  iacl  a  leas 
miiing'liin  a  cliur  'san  flieoil  no  an  dochas 
a  cliur  ann  an  oibricliean  an  laglia;  aeh 
.air  eagal  g-ii'ni  faodadh  cuid  de  na  creidniliicli 
<lroch  bhuil  a  dheanamh  de  'n  teagasg  sin — 
^lainte  tre  chreidinili  's  clia  'ii  ann  tre  oib- 
richean — tha  e  a'  cur  'nan  cuimhne  mar  an 
ceudna  gii  'm  feum  iad  an  creidimh  a 
dhearbliadli  le  toradh  na  diadhaidheachd,  le 
•dnnea>s  ann  an  naomliachd,  agns  le  eolas 
air    Criosd   is    cninliacbd    'aiseirigh. 

Am   buanai<'h  sinn  gu  dan   'n  ar   cioiit' 
Blirigli    sacjibhreas    grasa    Chriosd, 
Nar  ieigeadli  Dia  gu  'm  faigli  gu  brath, 
An   smuain  so   tanih   'n   ar  cridli'. 

Chum  cudthrom  a  thoirl  do  na  li-earailean 
sin,  agus  muinntir  Philipjn  a  blirosnuchadh 
gu  dol  air  an  agliaidh  anns  a'  bheatha  spior- 
adail  tha  Pol  ag  innseadh  dhaibh  mar  tha 
cuisean  d'a  thaobli  fein.  Mar  gu'n  abradli 
■0 — Ma  tha  sibhse  an  duil  gu  bheil  sibh 
■cheana  iomlan  's  nach  ruig  sibh  a  leas  an 
luilleadh  spairn  a  dheanamh,  cha  'n  e  sin 
<lhomhsa.  Tha  mi  fada  o  iouilanachd  :  tha 
'm  peacadh  ag  iathadh  umam  :  tha  mi  astar 
mor  0  cheann  mo  reis  :  agus  is  e  an  aon 
ui  a's  urrainn  mi  a  radh  agus  an  aon 
<lochas  a  tlia  agam,  gu  blieil  mi  le  dilseachd 
is  dicliioll  a'  cumail  romham  's  a'  cumail 
uio  shiil  air  a'  chomharra,  air  dhomh  na 
nithean  a  ta  air  mo  chid  a  dhichnimhneach- 
■adh. 

Ged  ]iach  'eil  e  ceart,  ann  am  mineaehadh 
nan  sgriobtur,  samhlaidhean  a  gliabliail  cho 
litireil  's  a  ghabhas  an  luclid  lagha  briath- 
ran  tiomnaidh,  no  cudthrom  a  chur  air  facail 
nach  do  chuir  am  fear  a  sgriobh  iad  orra, 
tha  sinn  an  duil,  aig  a'  eheart  am,  nach 
toir  sinn  ana-oeartas  sam  bith  do  theagasg 
Phoil  ma  ghabhas  sinn  na  briathran  so  ann 
an  seadh  a's  farsuing-e  no  an  seadh  anns 
an  do  chleachd  esan  iad,  agus  ma  ni  sinn 
feum  dhiubh  aig  an  am  so  gu  bhi  a'  cm' 
an  cuimhne  ar  luehd  leughaidh  nach  coir 
do  dhaoine  leigeil  le  'n  smuaintean  socruch- 
adh  gun  sgur  air  an  seann  chionta  's  air 
an  seaun  pheacanna,  ma  tlia  sin  a'  milleadh 
an  sitli  agus  a'  toirt  uapa  am  misnich.  An 
uair  a  shuidheas  duiue  sios  ann  an  searbh- 
adas  spioraid  fo  sgaile  seann  pheacadh  air 
chor-eigin  a  tha  maille  ris  'na  chadal  's 
'na  dhusgadh,  is  e  deireadh  a'  ghnothuich, 
gle  bhitheanta,  gu  n  tig  an  lionn-dubh  air 
'inntinn  's  gu'n  tuit  e  ann  an  diobhail  mis- 
nich as  nach  bd  c  idir  furasd  a  tliogail.  Tha 
seorsa  dhaoine  ann  agus  is  e  an  caoimlineas 
a  b' fhearr  a  b' urrainn  dhuinn  a  dheanamh 
riutha,  comas  a  thoirt  dhaibh  seann  uitheau 
a  tha  cur  dragh  orra  a  dhichuimhneacliadh, 
dorlach   dhuilleag   a   ghearradh    a    maeh    gu 


buileacli  a  leabhar  am  beatlia,  agus  an 
iuchair  a  tliionndadh  ann  an  cuid  de  sheom- 
raiehean  an  cuimhne  air  chor  's  nach  b' 
urrainn  dhaibh  dol  a  steach  gu  brath  tuill- 
eadh  do  na  seomraiehean  sin  a  tha  Ian  de 
chnamhan  dhaoine  marbh.  Tha  e  iior  nach 
'eil  feum  sam  bith  aig  a'  mhor  chuideachd 
de'u  t-sluagh  air  comhairlean  de  'n  t-seorsa 
so,  oir  cha  'u  'eil  am  peaeanna  a'  cur  dragh 
sam  bith  orra;  agus  ged  a  ni  iad  pucoir 
dichuimhnichidh  iacl  i  cho  hiath  's  a  dhi- 
chuimhnicheas  iad  aislingean  na  h-oidhche; 
ach  cha  'n  ann  ris  a'  mhor  chuideachd  a 
tha  sinn  a'  labhairt  aig  an  am  so  ach  riusan 
aig  a  bheil  coguis  mhaoth  is  cridhe  tiomach; 
agus  theireamaid  riutlia,  ma  tha  seann 
pheacadh  sam  bith  a'  luidhe  gu  trom  air 
an  spiorad,  gur  e  an  gliocas  dhaibh  an 
inntinn  a  thogail  dh-etli  gu  buileach  agus 
gu  luath,  facal  Dhe  a  chreidsinn  gu  blieil 
esan  a'  toirt  .  maitheanas  dhaibh  gu  saor, 
agus  an  aire  a  shocruchadh  air  uithean  a 
thogas  an  dochas  agus  a  dh'  uraicheas  am 
misneach.  Tha  sinn  Ian  chinnteaoh  gur  e 
so  a  theireadh  Criosd  riu.  An  uair  a  blia 
e  air  an  talamh  thugadh  d'a  ionnsuidli  bean 
a  bha  ciontaeh  de  pheacadh  eagallach;  ach 
an  aite  losgadh  oirre  le  corruioh,  no  peanas 
is  dioghaltas  Dhe  a  mhaoidheadh  oirre  mar 
dheauadh  na  Pharasaich,  is  e  thubhairt  e, 
Cha  'n  'eil  mise  'ga  d'  dhiteadh  :  imich 
romhad,  agus  na  peacaich  tuilleadh.  Mar 
gu'n  abradh  e — Tha  na  riuucadli  deanta  's 
cha  'n  'eil  feum  a  nis  a  bhi  bruidhinn  air, 
tlia  mise  ann  an  ainm  Ulie  a'  toirt  maith- 
eauais  dhuit:  tilg  na  seann  nitliean  seaohad 
agus  toisich  air  do  bheatha  as  ur. 

Is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  e  cho  duilich 
do  mhorau  dhaoine  na  uithean  a  tha 
air  an  eiil  a  dhichuimhneachadh  nach  'oil 
iad  a'  creidsinn  'nan  cridhe  gu  bheil  maith- 
eanas Dhe  cho  saor  's  cho  farsuing  's  a 
tha  am  BiobuU  a'  teagasg.  Tha  gu  leoir  de 
mhuinntir  an  t-saoghail  a'  toirt  sith  is  clos 
d'  an  anam  le  bhi  ag  altrum  na  smuain  nach 
'eil  Dia  idir  cho  fuathach  air  peacadh  's 
a  dh'  innseadh  dhaibh  le  diadhairean,  lagus 
nach  'eil  ann  ach  amaideas  a  bhi  'n  duil  gu 
bheil  moran  suim  aige  do  chreutair  cho 
suarach  ri  mac  an  duine.  Tlieir  iad  'nan 
cridhe  nach  'eil  an  dara  cuid  maitheas  no 
di-maitheis  mhic  an  duine  ach  'na  ni  beag 
ann  an  sealladh  neimh,  agus,  co-dhiu,  nach 
cuir  am  peacanna-san  dragh  air  neach  a 
tha  cho  fada  uapa  's  cho  fada  os  an  cionn 
ris  an  Dia  uile  -  eliumhaehdaeh  aig  a  bheil 
nithean  a's  motha  's  a's  cudthromaiche  ri 
dheanamh  seach  a  blii  smuaineachadh  air 
gach  aon  de  chloinn  nan  daoin  a  dh'  fhaodas 
dol  air  seacharan.  An  uair  a  thoisicheas 
daoine  air  smuaintean  faoine  de'n  t-seorsa 
ein    altrum,    cha  'n    fhada    gus    an    toir    iad 


12^ 


orra  fein  a  chreidsinn  nacli  'eil  aim  an  Dia 
acli  neacli  naeli  dean  maith  no  olc,  iieacli 
nach  'eil  dad  na  's  naoimhe  no  tlia  iad  fein, 
.agus  a  cliaogas  a  sliuil  ri  eucoir.  Tiia 
iadsan  aig'  a  btieil  a'  leithid  so  de  blieachdan 
ann  an  staid  chnnnartaicli,  ag-iis  faodar  a 
radh  le  soluimteachd  gii  bheil  iad  a'  toirt 
toibheim  do'n  spiorad  naomli.  Cha  'n  e  sin 
an  Dia  a  dli'  fhoillsieh  e  fein  o  shean  do 
na  faidhean  's  do  ua  h-abstoil  agiis  (inns 
na  laithean  deireannach  tre  a  Mhac.  Tha 
naomhachd  Dhe  mar  theine  loisgeacli  ague 
tha  a  ghnuis  gu  brath  an  aghaidli  a' 
pheacaidh,  ach  tha  a  throcair  cho  eaoMih 
's  gu  'n  toil'  e  maitheanas  do  pheacaieh  nacli 
faigh  maitheanas  o  dhaoiiie.  Tha  e  duilich 
do  dh'iomadh  dnine  so  a  chreidsinn  :  tha 
e  duilich  dhaibh  a  chreidsinn  gu  'n  tig 
maitheanas  cho  saor  o  Dhia  cho  naomli,  agus 
a  chionn  gu  bheil  iad  a'  tomhas  Dhe  le 
toimhsean  talrahaidh,  an  uair  a  bhruchdas 
an  seanii  pheacanna  's  an  eionta  a  steach 
air  an  iuntinn,  tha  iad  gun  mhisneaeh  gun 
dochas.  Bhiodh  e  chum  buannachd  dhaibh 
sin,  an  aire  a  shocruchadh  air  na  h-earraunan 
sin  de'n  Bhiobull  anns  a  bheil  na  naoiinh 
aig  an  robh  fiosrachadh  pearsonta  air 
caoimhneas  is  trocair  an  Tighearna  ag  inn- 
seadh  ciamar  a  thog  Dia  suas  iad.  Cha 
l)hiodh  iongantas  ged  cliumadh  a  pheacanna 
cadal  na  h-oidliche  o  Dhaibhidh,  oir  bha  iad 
trom  is  graineil;  ach  fliuair  Daibhidh  maith- 
eanas agus  air  dha  na  nitliean  a  bha  air 
chul  a  dhichuimhneachadh  rainig  e  airde 
ann  an  eolas  Dhe  nach  do  rainig  raoran 
roimhe  no  'na  dheig-h.  Agus  dh'  fliag  e 
ag-ainne  teisteanas  air  trocair  is  maitheanas 
an  Tighearna  a  bu  choir  misneach  nihor 
a  thoirt  do  'n  t-seorsa  dhaoiiie  air  a  bheil 
sinn  a'  labliairt,  daoiiie  aig  nach  'eil  solus 
no  dochas  a  chionn  gu  bheil  droeh  ghniomh 
a  finn  iad  uaireigiii  a  ghnath  maille  riu  mar 
gu  'm  biodh  trom-lighe  a  tha  milleadh  fois 
am  beatha.  Clio  fad  's  a  tha  an  aird  an  car 
o'n  aird  an  iar,  arsa  Daibhidh,  cho  fada 
siu  chuir  Dia  uainn  ar  n-eusaontais.  Oir 
mar  tha  na  neamlian  ard  os  cionii  na  tal- 
mhainn,  mar  sin  a  ta  a  throcair  mor  d'  an 
taobh-san  d' an  eagal  e.  Salm  ciii.  Thigibh 
a  Ills  agus  tagramaid  li  eheile,  deir  an  Tigh- 
earna; ged  robh  'ur  peaeanna  dearg  mar 
an  sg-arlaid,  bidli  iad  geal  mar  an  sneachd  : 
ged  robh  iad  dearg  mar  chorcur,  bidh  iad 
mar  olainii.  Imiah  i.  Is  e  so  an  coimh- 
cheaiig-al  a  ni  mi  ri  tigh  Israeli  anns  na 
lailhean  deireannach,  deir  an  Tighearna, 
...'..  maithidh  mi  an  aingidheaclid  agus 
cha  chuimlinich  mi  ni  's  mo  an  eionta. 
leremiah  xxxi.  34.  Tha  aon  a's  airde  no 
oadhoin  an  salmadair  's  na  faidhean  a'  labh- 
aii't   na   ceart   theachd-aireaclid   so   ruinn   ann 


am  briathran  caomlial.  An  ti  a  thig  a'm 
ionnsuidh,  cha  tilg  mi  air  chor  sain  bith  a 
mach  e.  Eoin  vi.  37.  larradh,  mata,  iadsaa 
a  tha  'nan  suidhe  gu  dubhach  fo  sgaile 
sheann  pheacanna  nach  g-abh  leasachadh  a 
nis — iarradh  iad  is  gabhadh  iad  ri  maitheanas 
Dhe  gu  saor  agus  le  irioslaehd,  dichuimh- 
nicheadh  iad  gu  buileach  na  seaiin  laithean 
is  cuireadli  iad  seann  nitliean  air  chul,  agus 
siueadh  iad  iad  fein  le  deagh  dhochas  chum 
a'  chala  a  dh'  ionnsuidh  a  bheil  Dia  'g  an 
gairm. 

Ged  a  labliair  sinn  mu  bhriathran  Plioil 
anns  an  doigh  so,  tha  fios  againn  nach  e 
idir  an  t-olc  ach  am  maith  a  riiiu  e  fein  a 
bha  e  a'  dichuimhneachadh,  agus  gur  e  an 
fliior  smuain  a  bha  'na  inntinn  aig  an  am 
nach  roljli  e  fhathast  toilichte  leis  an  ire  a 
dh'  ionnsuidh  an  d'  thainig^  e  anns  a'  bheatha 
spioradail.  Na  'nrobh  Pol  toilichte  le  staid 
fein,  cha  bu  mhaith  an  comharra  sin  air, 
oir  is  e  iadsan  a's  fhaide  o  iomlanachd  a 
shaoileas  gu  'n  do  rainig  iad  elieana.  Bha 
Pol  'na  dhuine  na  bu  turaile  no  gu  'n  labh- 
radli  e  air  an  obair  a  riiin  grsis  Dhe  aim 
mar  gu'm  b'  obair  blieag  i.  Bha  fios  aige 
glc  mhaith  gu  'u  d'  fhuair  e  eolas  air  run- 
diomhair  Dhe  nach  d'  fhuair  moran,  agu.s- 
gu  'n  do  thagh  Dia  e  chum  obair  mhor  a 
dlieanamli  anns  an  eaglais.  Bha  fios  aige 
gu  'n  robh  fas  is  cinneas  a  tigh'iin  air  ann 
an  croidimh,  an  eolas,  an  end,  an  irioslaehd, 
an  gradli,  an  naomhachd,  mar  bha  na 
bliadhnachan  a'  dol  seachad,  ach  an  aite 
uaill  a  dheanamh  as  a  sin  tha  e  'na  cheart 
dooin  a'  tionndadh  inntinn  air  falbh  o  na 
nitliean  air  an  do  rainig  e  clieana  a  dh' 
ioniisuidh  naomhachd  is  niais^o  na  tiro  a  bha 
fhathast  ciaa  fad  as.  Cha  b'ann  air  a'  gliras 
a  fhuair  e  ach  air  a'  gliras  a  bha  dhitli  air  : 
cha  b'  anil  air  an  obair  a  rinn  e  ach  air 
an  obair  a  bu  mhaith  leis  a  dheanamh  a 
bha  Pol  a'  cumail  a  shul.  Theiieadh  daoine 
eile,  'nuair  a  tlioimhseadh  iad  Pol  riutha 
feiti,  nach  robh  annta-san  ach  leanaban  ann 
an  eolas  spioradail  an  coimeas  ris-san.  Ach 
cha  b'e  sin  na  toimhsean  leis  an  robh  Pol 
'ga  thomhas  fein.  Sheas  e  ann  an  .solus 
Chriosd  agus  b'  aitline  dha  nach  d'  tliainig 
e  fathast  chum  an  duine  iomlain  no  gu 
tomhas  airde  lanachd  Chriosd. 

Is  e  a'chrioch  araidli  ann  an  naomliachadli 
an  anma  gu  'm  biodh  an  duine  air  'atli- 
nuadhaehadh  gu  h-iomlan  a  reir  iomhaigh 
i  Dhe.  Tha  an  obair  so  mor  is  duilich  is 
fadalach,  agus  eadhoin  anns  na  iiaoimh  a's 
airde,  cha  bhi  i  criochnaichte  aig  uair  am 
bais.  Ach  is  obair  i  a's  fliiach  lamh  a  chur 
innte.  Ma  tha  'n  t-slighe  fada  's  an  ratliad 
duilich  tha  ar  Maighstir  caomhal  's  an  duals 
cinnteach. 


i 


■1. 

i 


Air  4. 


1911. 


DUINE  SAOGHALTA. 


Aijiifi  thog  Lot  suas  a  shuilean,  agun 
chiinnaic  e  gti  'n  rohh  cbmhnard  lordain 
uile  air  uisgeachadh  gii  niaith,  mar  ghar- 
adh  an  Tighearna  ;  agus  tliagh  Lot  dha 
fein  r.bmhnard  lordain. — Genesis  xiii.    10. 

Is  e  Lot  's  a  sheorsa  a  blia  aig  Griosd 
's  an  t-sealladh  an  uair  a  labhair  e  mu 
dhaoine  a  dh'  ei.sdea>i  li  facal  Dlie  ach  '  a 
ta  ro  churam  an  t-.saogiiail  so,  agiis  meallt- 
aiveaclid  saoiblireis,  agus  ana  -  miannan 
uitliean  eile  a'  teaclid  a  steach,  agus  a' 
tachdadh  an  fhacail  agus  uithear  neo-tliorach 
e." 

TJia    e    coltach     gu  'n     do    shoirbliich    an 
saoghal  le  Abraham  is  mae  a  bhrathar  anns 
au    Eiphit,    oir    tliainig    iad    air    au    ais    le 
maoin    mhor;    agus    thatar    a'  leugliadh,    an 
uair  a  thainig  iad  gu  Betel  nach  giulaineadli 
am  fearann  an  cuid  spreidlie   leis   clio  lion- 
mhor  's    a    bha    iad.     An    uair    a    chunuaic 
Abraham    mar    bha    cuisean,  'k    a    chual    e 
mu  'n    iorghuill    a    bha    am    buachaillean    a' 
deauamh     mu     choraiehean     feoir    is    uisge, 
thuirt  e   ri   mac   a  bhrathar   gu 'm   b' fhearr 
dhaibh,   air  ghaol  sith   is  reite,   am  fearann 
a   roinu.     An   aite   croinu   a   thilgeil,    no   an 
gnothuch    a   shocruchadli   le    litir   an    lagha, 
tliairg   e    gu   h-uasal   do    Lot   a   roghainn   a 
ghabhail  de   na   bha   m'a   choinneamli — "  nia 
theid  thusa  a  dh'  iounsuidli  ua  laimlie  clithe, 
theid  mise  a  dh' ionu-iuidh  ua  laimhe  deise; 
agus  ma  theid  thusa  a  dh'  ionusuidh  ua  laimhe 
deise,  theid   mise   a  dh'  iounsuidli  ua   laimhe 
clithe."    Tha  seorsa  dhaoine  ann  cho  giouach, 
's  (3ho  beag-uaracli.  's  eho  g-aolach  aii'  cluip- 
eig  's     uacli     leasg     leo    am    feum    fhein    a 
dhoanamh  de  dhaoine   coir,  reidli,   leis   nach 
b'  fhiacli    a   bhi   daounan   a'  seasamh   air   an 
coraichean.      B'  ann    dhiubh    sin    Lot.      An 
aite  urram  na  h-aoise  a  thoirt  do  bhrathair 
'athar,   ghabh  e   an  eothrom   a   fhuair  e   gu 
]i-ealamh,    agus    tliagh    e    ua    machraicheau 
iosal  a  bha  air  an  uisgeachadh  mar  ghai'adh 
an   Tighearna.     Ma   bha  sluagh   nam   mach- 
raifhean  aingidh,   bha  am  t'eur  maith,   agus 
dh'  fhag   Lot  Abraham   air   mullaichean  lom 
Bhetoil  's  shuidliicli   e   a  bhuth  aig   Sodom. 
Chaidh     na     bliadhuachau    seachad.     Bha 
Abraham    a'  sior    eadar-ghuidheadh    ri    Dia 
as   leth   caoraich  chaillte   bailtean  a'  cliomh- 
naird,   agus   faodar  a   bhi   cinnteach   gur   h- 
iomadh  urnuigh  dhuiachdach  a  chuir  e  sua^j 


mar  an  ceudna  as  leth  mac  a  bluuthar,  ach 
rainig  aingidheachd  Shodoim  a'  leithid  de 
dh'  airde  an  latliair  an  Tigliearna  's  nach 
robh  dhaibh  tuilleadh  ach  dull  eagallach 
ri  breitheanas  agus  fearg  theinuteach.  Tha 
am  fear  a  sg-riobh  leabhar  Ghenesis  a'tigh'nn 
tliairis  anns  an  naoieamh  caibideal  deug  air 
rud  no  dha  aun  an  eachdraidh  Lot  nach  'eil 
iios  againu  ciod  a  their  siun  riutha,  ho 
ciod  an  cudthrom  a's  coir  dliuiun  a  thoirt 
dhaibh.  Faodar  a  bhi  cinnteach  nach  cuir- 
eadh  e  sios  na  nithean  sin  mur  biodh  e  an 
dull  gu  'n  cuireadh  iad  solus,  an  da  chuid, 
air  nadur  Lot  is  cliu  muinutir  Shodoim. 
agus  air  cursa  freasdal  Dhe.  Ach  a  chionn 
nach  'eil  fios  againn  ciod  an  doigli  aims  an  coir 
dhuinn  na  naigheachdan  sin  a  ghabhail,  co 
dhiu  a  ghabhar  iad  gu  litireil  no  gu  samh- 
lachail,  fagaidh  siun  iad  mar  tha  iad,  agus 
leigidh  sinn  le  ar  luchd-leughaidh  an  gabhail 
ann  an  doigli  sam  bith  a  chomhairlicheas 
an  tur  's  an  ciall  fein  daibh. 

Thug  teaehdairean  an  Tighearna  rabhadh 
do  Lot  am  baile  fhagail  gu  grad  agus- 
gach  duine  a  bhuineadh  dha  a  thoirt  leis. 
Einn  a  dhilsean  fanoid  air,  'nuair  a  dh' 
innis  e  dhaibh  mar  bha  ri  tachairt  ;  agus 
air  a'  mhaduinn  air  an  do  sgriosadh  lam 
baile  rinn  Lot  fein  moille.  Bu  eheum  air 
ghaig  leis  Sodom  fhagail,  oir  an  t-aite  anns 
an  robh  'ionmhas,  is  aun  au  sin  a  bha 
chridhe.  Biia  cridhe  Lot  ann  an  reamhrachd 
a  chruidh  's  ann  am  feuraeh  a'  chomhnaird, 
agus  coltach  ri  daoine  eile,  bha  e  duilich 
leis  dealachadh  ri  nithean  anns  an  robh  a 
shuil  's  a  chridhe,  ged  bha  Ian  fhios  aige 
gu'm  b'e  an  gliocas  dha  sin  a  dheanamli. 
Ach  bha  teaehdairean  au  Tighearna  caomhal, 
agus  rug  iad  air  laimli  air  fliein,  's  air 
a  mhnaoi.  's  air  a  dhithis  uighean,  agus 
thug  iad  a  mach  iad  as  a'  blxaile,  ag  radii 
ris,  Teicli  air  son  t-annia  agus  na  stad  's- 
a'  chomhnard,  teicli  do'n  t-sliabli  air  eagal 
gu'm  millear  thu. 

Ann  an  solus  na  dh'  iuuis  am  fear  a. 
sgriobh  leabhar  Ghenesis  dhuinu  mu  bheatha. 
Lot,  cha  'n  'eil  e  duilich  a  thuigsinn  ciod 
a'  ghne  duine  a  blia  ann,  's  cha  mho  a 
tha  e  duilich  a  thuigsinn  ciod  an  leasan 
sonniiehte  a  tha  a  bheatha  a'  teagasg  do- 
shluagh  au  Tighearn  anns  an  la  so.  Cha 
'n  'eil  e  ceart  athraichean  au  t  -  seann 
t-saoghail  a  thomhas  le  toimhsean  na  linn 
so,  no  ann  au  solus  soisgeil  is  teagaisg  nach 
b'  aithne    dhaibh,    ach    ma    bheiroar    breith 


14 


air  Lot  a  reir  gnaths  ua  linne  's  ua  dutlicha 
anns  an  robh  e  beo,  faodar  a  radh  gu  'm 
bu  duine  diadliaidh  e  a  theap  a  bheath  is 
anam  a  cliall  leis  an  t-saoglialtachd  a  bha 
gu  furasd  ag  iadhadh  uime.  Tha  e  soilleir 
gu'm  b'e  so  beachd  an  fhir  a  sgriobh  eaclid- 
raidh.  a  "bheatha,  oir  ged  nach  'eil  e  'ga 
mlibladh  ann  an  doigh  earn  bith,  's  ged 
tha  e  ag  innseadh.  gu'n  d'  thug  e  jaoran 
trioblaid  is  carraid  air  fhein  le  shaoghalt- 
achd,  tha  e  ag  innseadh  mar  an  iceudna 
gu  'n  do  mheas  Dia  Lot  clio  airidh  air 
'fhabhar  's  gu'n  do  chuir  e  a  theaehdair- 
ean,  a  dh'  aon  ghnothuch,  'g-a  thearuadh  a 
Sodom  Tha  'n  t-abstol  Peadar  a  toirt  cliu 
a's  airde  air.  Tha  e  ag  radii — Shaor  Dia 
Lot  am  firean,  a  bha  fo  champar  le  caithe- 
beatha  nan  aingidh  :  oir  chraidh  an  t-ion- 
racan  sin  'anam  fireanta  o  gu  la,  le  bhi 
faicinn  agus  a'  cliunntinn  an  gniomliaran 
an-dligheach.  II.  Pheadair  ii.  7,  8.  Tlia 
e  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn  earson  a 
tha  iomhaigh  Lot  na  's  boidhche  ann  an 
litir  Pheadair  no  tha  i  ann  an  leabhar 
Ghenesis.  Ann  an  Genesis  tha  dealbh  Lot 
air  a  chroehadh  lamh  ri  dealbh  Abrahaim, 
agus  bha  Abraham  'na  dhuine  eho  mor  's 
cho  gasda  air  gach  doigh,  's  nach  seaUadh 
fear  a  b'  fhearr  no  mac  a  bhrathar  ach  gle 
shuarach  lamh  ris.  Ach  chuir  Peadar  Lot 
taobh  ri  taobh  ri  muinntir  Shodoim,  agus 
an  coimeas  riu-san  bha  e  cho  naomh  's  nach 
'eil  iongantas  sam  bith  gu'n  do  labhair  e 
uime  mar  neach  ionraic.  Bha  e  ionraic  an 
ooimeas  ris  na  h-aingidh,  direach  mar  a 
sheallas  duine  anns  nach  'eil  ach  airde 
chuimseach  'na  fhamhair  am  measg  chrot- 
anach   is   throichean. 

Faodar  a  chreidsinn  nach  robh  Lot  sona 
ann  an  Sodom  a  dh'  aindeoin  pailteas  na 
tire  is  lionmhoireachd  a  spreidhe.  Cha 
bhiodh  e  furasda  do  neach  a  dh'  eisd  aon 
uair  ri  conaltradh  Abrahaim  eisdeachd  le 
tlachd  ri  trusdaireachd  Shodoim,  agus  ged  a 
.bha  e  'nam  measg,  cha  b' ann  dhiubh  e. 
Thainig  e  o  dhaoine  eneasda,  agus  air  cho 
saoghalta  's  gu'n  robh  e,  bha  uaisle  'na 
nadur  nach  leigeadh  leis  cuid  no  pairt  a 
ghabhail  ann  am  baoth-shugradh  na  graisge. 
Ach  ma  bha  an  taobh  a  b'  fhearr  d'a  nadiu' 
ag  iarraidh  air,  an  drasd  's  a  rithist,  a 
oliasan  a  thoirt  leis,  agus  call  sam  bith 
fhulang,  air  ghaol  saorsa  coguis  is  inutinn 
fhaotainn,  bha  a  shaoghaltachd  is  fheineil- 
■eaehd  'ga  tharruing  an  rathad  eile,  agus  ag 
iarraidh  air  fantuinn  far  an  robh  e.  Is 
€  sin  a  rinn  e  ;  dh'  fhan  e  ann  an  Sodom 
gus,  mu  dheireadh,  iiaeh  robh  toil  sam  bith 
aige    fhagajl, ,  agus  , 'nuair    a    spion    aing-eal 


an  Tighearna  e  mar  aithinne  as  an  teine, 
cliaidh  e  mach  gu  Soar  'na  sheann  duine 
briste,  gun  ehrodh,  gun  chuid,  gun  daoine. 
Thug  e  bron  is  trioblaid  air  a  cheann  fein, 
agus  mar  thoradh  na  roghainn  a  rinn  e, 
air  dha  bhi  air  a  mhealladh  le  Dia  an 
t-saogliail  so,  chaill  e  na  bh'  aige,  agujs, 
air  a'  cheann  mu  dheireadh,  bu  bhuidhe  leis 
fasgadh    fhaotainn    ann    an    uaimh. 

Ged  nach  do  choisinn  Lot  an  saoghal  so 
air  son  an  do  chuir  e  'anam  an  eunnart, 
's  ged  a  chuir  cuibheal  an  fhortain  a' 
leithid  de  char  dliitli  's  gu  'n  do  chaill  e  na 
nithean  air  an  do  leag  e  a  chridhe,  cha 
'n'oil  fiosrachadh  ar  beatha  a'teagasg  dhuinn 
gu  bheil  sin  a'  tachairt  daonnan  no  gu  bheil 
saoghaltachd  a'  toirt  call  saoghal ta  'na  lorg. 
Uair  a  tha  's  da  uair  nach  'eil.  Tha  Dia 
a'  riaghladh  an  t-saoghail  air  a'  leithid  de 
dhoigh  's  gu  'm  faicear  gu  trie  an  duine 
saog-halta  'ga  sgaoileadh  fein  a  mach  mar 
ur  ehraoibh  uaine.  Is  trie  leo-san  a  dh' 
fheuchas  ris  a'  chuid  a's  fhearr  a  dheanamh 
de  'n  da  sliaoghal,  an  saoghal  so  a  chosnadh 
's  a  mhealtainn  gus  an  latha  mu  dheireadh 
de  'm  beatha,  eiod  air  bith  a  dh'  eireas 
dhaibh  anns  an  t-saoghal  eile.  Cha  b'e  call 
a  mhaoin  call  a  bu  mhiosa  a  thainig  air 
Lot,  ged  is  e  sin  an  call  a  h'  fhusa  dha 
a  thomhas.  Ged  nach  robh  fios  aige  fein 
air,  thainig  call  a  bu  mhotha  air  anns  na 
bUadhnachan  anns  an  robh  e  an  duil  gu'n 
robh  e  a'  soirbheaehadh  gu  mor  no  thainig 
air  an  uair  a  chaill  e  a  mhaoin  uile.  An 
uair  a  leigeas  daoine  leo  fein  a  bhi  air  am 
beo  -  ghlacadh  le  saoghaltachd  'r  a  dhi- 
chuimhuicheas  iad  Dia  is  siorruidheachd,  's 
nach  'eil  ni  fo  'n  glirein  a  tigh'nn  fodhpa 
ach  am  buannaclid  shaoghalta,  tha  iad  a' 
call  buadhan  inntinn  is  anma  nach  till  thuca 
gu  bratli  tuilleadh.  Falbhaidh  na  buadhan 
sin  gu  samhach,  gun  trompaid  a  sheideadh, 
air  elior  agus  nach  fairichear  gle  bhitheanta 
an  call.  Is  lionmlior  iad  a  tha  pg  radh, 
"  Tha  mi  beartach,  agus  air  fas  ann  an 
saoibhreas,  agus  gun  fheum  agam  air  ni 
sam  bith;  ag-us  gun  fhios  -aca  gu  bheil 
iad  bochd  is  truag-li  is  dall  is  lomnochd." — 
Taisbean   iii.    17. 

Cha  'n  'eil  teagamh  nach  "eil  duine  an  sid 
's  an  so  a'  tuiteam  air  falbh  o'n  eaglais 
Ohriosduidh  a  chioim  nach  'eil  iad  a'  creid- 
sinn  creud  na  h-eaglais.  Tha  feadhainn  eile 
a'  ciil  -  shleamhnachadh  a  chionn  gu  'n  do 
leig  iad  riuth  le  'n  ana-miannan  'e  gur  toigh 
leo  am  peacadli  ni 's  fhearr  no  'n  diadh- 
aidheachd.  Ach  cha  n 'eil  sinn  an  diul  gu 
bheil  aireamh  na  feadhnach  sin  cho  mor 
ri  aireamh  nan  daoine  a  tha  tuiteam  o  ghras 


7 


I 


I 


15 


le  saoglialtochd .  Cha  tiie  a  thoid  iad^an  a 
lihlais  aon  uair  deagh  tliiodlilac  Dhe  thairis 
a  ilh'  ionnsuidh  Shataiu,  acli  tha  iad  bitli- 
eanta  gu  leoir  a'  dol  thairis  a  dh'  iouiisiiidh 
an  t-saoghail.  Mar  Ilia  na  bliadhuachan 
a' dol  seachad,  's  a  tha,  iad  a' cur  sios  am 
freumhaichean  air  gach  taobh,  's  a  tha 
euram  an  obair,  an  dachaidh,  's  an  teaghlaieli, 
a  gbnath  maille  riu,  tha  iad  ullamh  gu  bhi 
air  an  cuibhreachadh  le  cuing  nan  nithean 
a  ta  lathair  air  chor  agiis  ged  naeh  'eil 
iad  a'  ciallachadh  dearmad  a  dheanamh  air 
an  anam  a  bheathachadJi,  tha  'n  dearmad  air 
a  dheanamh.  An  uair  a  thachras  sin,  's  a 
tha  gloir  is  maoin  is  toilinntinn  an  t-saoghail 
a'  taladh  a'  chridhe  thar  tomhais,  cha  bu 
chall  ach  buannachd  dhaibh  gu  'n  tigeadh 
teaehdaire  o  Dliia — g-ed  b'  ann  ann  an  riochd 
broin  no  tinneis  no  call  codach  —  'g  an 
dusgadh  as  an  cadal  mar  bha  Lot  aii'  a 
dhusgadh  an  uair  a  theap  reamhrachd  Shod- 
oim  anam  a  dim-  i'o  gheasaibh.  Cha  ruig 
sinn  a  leas  rabhadh  a  thoirt  do  'n  mlior 
chuideachd  d'  ar  luchd  leughaidh  an  aghaidh 
chleachdanuan  is  pheacanna  a  tha  graineil, 
is  maslach  am  fianuis  dhaoine ;  agus  na  'n 
deauamaid  e,  is  doeha  nach  bitheamaid 
ach  a'  bualadh  an  adhair,  oir  cha  'n  'eil  na 
peacanna  sin  ag  iadhadh  umpa.  Ach  tha 
sinn  uile  an  cunnart  a  bhi  air  ar  toirt  a 
tbaoibh  le  saoghaltachd,  agus  is  moid  an 
cunnart  do  bhrigh  nach  'eil  e  idir  furasd 
garadh-criche  a  thog-ail  eadar  a'  chrionnachd 
sin  ann  an  nithean  aimsireil  a  tha  araou  ar 
tur  fein  is  teagasg  Chriosd  ag  iarraidh  oirnn 
a  chleachdadh  agus  an  t-saoghaltachd  a  bheir 
lom  sgrios  air  an  anam.  Tha  e  cho  furasda 
<lo  'n  duine  chrionna  leum  thairis  air  a 
ghaiadh-chriche,  's  gur  e  an  gliocas  dha 
a  bhi  daonnan  'na  earalas,  air  eagal  gu  'n 
tuit  e  fo  dhraoidheachd  an  t-saoghail  gun 
fhios   da. 

Cha  'n  'eil  e  coltaeh  gu'n  d'iarr  Lot  solus 
no  seoladh  o  Dhia  an  am  a  ehrannchuir 
a  roghainn.  Ged  a  smuainich  e  air  feur  is 
(■rodh  is  caoraich  m'  an  do  rinn  e  Buas 
inntinn,  cha  d' thug  e  aon  smuain  air  Dia.- 
B'e  sin  toiseach  a  sheaehrain  's  a  thrioblaid. 
Cha  robh  riuth  'na  inntinn  ach  maoin  is 
urram  is  comhfhiu-tachd  fhaotainn  dha  fein 
's  d'a  theaghlach,  agus,  air  ghaol  nan  nith- 
ean sin,  bha  e  toileach  comunn  a  ghabhail 
ri  daoine  mallaichte,  ain-diadhaidh ,  agus  a 
bhean  's  a  chlann  a  charadh  ann  an  teis- 
meadhoin  graineileaclid  Shodoim.  Ach  bu 
daor  a  phaigh  e  air  a  shon  sin.  Ma  bha 
e  'n  duil  gu  'm  bu  ghniomh  Criosduidh  no 
gu 'm  bu  chaoimhneas  atliar  a  bha  e  a' 
deanamh  riutha,   fhuair  e  a  shuilean  f'hosg- 


ladli ;  oir,  an  ceann  beagau  uiue,  tha  e 
coltaeh  gu  'n  d'  i'has  a  bhean  cho  toigheach 
air  Sodom  '.s  air  prabar  a'  bhaile  's  nach 
iarradh  i  fhagail.  Co  dhiu,  dh'  fhairtlich  air 
a  toirt  leis  as.  Chunnaic  e  cuid  d'a  nigh- 
eanan  air  an  cuing-chcangal  gu  neo-choth- 
romacli  ri  mi-chreidmhich  agus  mhill  dvoeh 
cholnadar  Shodoim  beusan  ohaich  cho 
buileaeh  's  nach  robh  annta  ach  diu  nam 
ban.  Ged  is  seanu  naigheachd  so  tha  i  iir 
cuideachd.  oir  tha  mora.n  pharantan  an  diugh 
fhathast  a'  deanamh  a'  cheart  ni  a  rinn  Lot. 
Ann  a  bhi  cur  an  cloinno  air  ceanu  an 
ratljaid  's  a  I'oghuachadh  an  crannchuir 
dhaibh,  cha  toir  iad  suim  do  ni  sam  bith 
ach  inbhe  is  buannachd  shaoghalta.  Ann 
a  bhi  toirt  dhaibh  colas  na  Blighe,  bheir 
iad  dhaibh  a  h-uile  eolas  ach  an  aon  colas 
a  tha  tarbhach.  Gabhaidh  iad  na  ceumannau 
a's  soluimte  a's  urraiun  neach  a  ghabhail 
gun  iomradh  air  urnuigh,  no  iarraidh  air 
Dia  an  treoraehadh.  Air  sgatli  tasdan  la' 
bharrachd  's  an  t-seaehduinn  ciiiridli  iad 
balaich  is  caileagan  oga  an  teis-meadhoin 
aingidheachd,  caoin-shuarach  mu  na  cunn- 
arta.n  's  na  buaraidhean  a  dh'  fhaodas  am 
beathu  a  mliilleadh.  Ach  ma  gheibh  gaol 
an  t-saoghail  is  nabhar  na  lieatha  greim 
cho  laidir  air  parantan  's  nach  toir  iad 
smuaii;  air  Dia.  no  air  toil  Dhe,  no  air 
anam  an  cloinne,  no  air  ni  sam  bith  eile 
ach  buannachd  shaoghalta,  'nuair  a  bhio.s 
iad  a'  cur  am  mic  's  an  iiighe-man  air  clieann 
na  slighe,  cha  ruig  iad  a  leas  iongantas  a 
ghabhail  ma  clii  iad,  an  deigh  laimhe,  gu'n 
do  cheannaich  iad  a'  bhuannachd  .shaoghalta 
aig  pris  ro  dhaor.  Ach  gle  bhitheanta  ged 
is  e  na  parantan  a  thaghas  am  port  is  e 
an  claim  a  phaigheas  am  piobaire.  Co  dhiu, 
tlia  sinn  an  duil  gur  e  sin  aon  de  na  leasain 
a  (111'  fhaodar  a  leughadh  o  bheatha  Ijot. 
Mhill  e  a  bheatha'  fein  gu  mor  ach  mhill  e 
a  theaghlach  seachd  uairean  na  bu  mhiosa. 
Tha  an  So-riobtur  a'  teagase-  s'u  'n  do 
theainadh  e  o  sgrios  air  a'  cheann  mu 
dhoireadh,  ach  i'aodar  a  radh  mar  thuirt . 
Pol  gii  'n  do  shaoradh,  e  mar  tre  theine.  Ged 
bha  a  chridhfe  Ian  cliopagan  is.  droighinn 
bha  cluaineagan  de  thalamh  maith  ann  mar 
an  ceudna,  agus  ged  a  tharruing  a  shaniit . 
fein  air  falbh  e  o  shligheaunan  sublia.chai.s . 
na  h -inntinn  thoilichte  gu  clabar  Irlthaicli 
na  h-inntinn  shaoghalta,  bha  bun  a'  ghiioth- 
uich  ann  gun  teagamh,  agus  a  dh' aindeoin 
a  shaoghaltachd  bha  tomhas  aige  de '  spiorad 
an  Tighearna.  Ach  .  tha  a  bheatha  a' seirm 
nam  briathran  'nar  cluasan^rrCiod  an  tairbhe;. 
a  ta  ann  do  dhuine,  ged  cliosiiadh  e  -lin:' 
saoffhal    uile   ag-us    'anam   fein   a   chall  ? 


16 


■A  Thiijheani  losa,  a  thug  buaidh  air  an 
t-sao(jhal,  thoir  dhv/nn  tomhas  de  d'  ghliocnfi 
'•■?  de  d'  spiomd  rlinvi  's  gu  'm  hi  iarrtus  dur- 
achdach  againn  air  na  tiodhlacan  n's  fearr, 
's  gu'm  hiar  cridhe.aohcm  air  nn  suidheachadh 
air  na  nithean  a  la  shims.  Saor  siiiii  o 
shannt  \s  o  shaoghalUtchd  agns  cuidich  leinn 
roijhainn  a  dheanamh  de  'n  chuid  iuhailli 
narli  toireur  uaiiin  gu  brafJi.  Coimhead  sinn 
o'n  olc  re  ar  cuairt  air  thalamh  agus  lei.g 
thugainn  do  sholm,  oir  is  tasa  solas  an 
t-saoghfiU.     Amen . 


AORADH    AN   TAIRBH. 


Tha.  moran  air  a  radii  anns  an  tseaun  TioniQadh  mu 
iodhalaoradh  nan  ludhach  ;  ach  cUa  'n  'eil  e  idir 
fiirasda  srauaintean  soilleir  fliaotainn  air  an  t-seorsa 
aoraidli  sin.  no  blii  cinnteach  ciod  an  ni  sonruichte  a 
bha  an  luchd  aoraidh  a'  ciallachadh  leis.  Anns  na 
seann  laitheaa  bha  diadhairean  na  h-eaglais  de  "n 
bheachd  gn'o  robh  eolas  Dhe  aig  ceud  atbraichean  a' 
chinneadh  daona  moran  na  bu  shoilleire  no  bha  e  aio- 
na  linntean  a  thainig  "nan  deigh.  Is  e  sin  r'a  radh, 
bha  iad  an  duil  gu'm  b'  aillme  do  Noah  's  do  Shorn, 
"s  do  Enoch,  's  do  Lot,  Dia  mar  nach  b'  aithne  do'n 
al.  a  bha  beo  ann  an  linn  Hosea  is  Amois  is  an  curr  de 
na  faidhean  d'  am  b'  fheudar  a  bhi  labhairt  gu  searbh 
an  aghaidh  iodhal-aoraidh  an  t  sluaigh.  A  reir  a' 
bheachd  so,  bha  am  foillseachadh  a  rinn  Dia  air  a 
bhith  's  a  nadur  fein  do  dhaoine  ann  an  toiseaoh 
eachdraidh  an  t-saoghail.  iomlan  ;  ach  mar  bha  na 
bliadhnachan  a'  dol  se.achad  is  M  a  tigh'nn  as  deigh 
iiil,  bha  am  foillseachadh  sin  uigh  ar  n-uigh  air  a 
thruailleadh,  agus  bha  an  saoghal  a'  tuiteam  air  falbh 
on  Dia  bheo  's  o'n  chreidimli  fhior  gu  bhi  deanamh 
aoraidh  do  dhiathan  breige.  (Jed  a  dh'  fhaodas  gu 
bheil  moran  dhaoine  de'u  bheachd  so  fhathast  cha  'n 
"eil  e  idir  a  reir  na  firinn  ;  agus  cha  mho  a  tha  an 
seann  Tiomnadh,  ma  leughar  e  le  curam  is  tuigse,  'ga 
ghiulan  a  mach.  Tha  e  calg-dhireach  an  aghaidh 
na's  aithne  dbuinn  mu  fhreasdal  an  Tigheara  anns  an 
t-saoghal,  agus  mu'n  doigh  anns  a  bheil  Dia  "ga 
fhoillseachadh  fein  do  dhaoine.  C'ha  'n  urrainnear 
obair  an  taisbeanaidh  a  choimeas  ri  rud  sam  bith  a's 
fhearr  no  ri  solus  na  greine — solus  a  tha  'g  eiridh 
uigh  ar  n-uigh,  an  toiseach  a"  chamhanaich,  an  sin 
bristeadh  na  faire,  an  sin  galhan  soluis  a'  buahidh  air 
na  beanntan  a's  airde,  an  solus  a'  sior  fhas  ann  an 
neart  gus  an  ti,g  e  gu  noart  is  iomlanachd  a"  mheadh- 
oin  la.  An  aite  a  bhi  '.g  radh  gu'n  d'  fhuair  Adhamli 
is  Noah  solus  a'  niheadhoin  \h  agus  gu'n  do  otiaill  an 
slioohd  an  solus  sin,  ann  an  tomhas  mor,  miltean 
bliadhna  an  deigh  dhaibhsan  a  bhi  marbh,  is  e  bu 
choir  dhuinn  a  radh  nach  robh  ceud  athraichean  an 
t-seann  Tiomnaidh  ach  anns  a'  chamhanaich  a  thaobh 
eolas  Uhe,  agus  nach  robh  am  foillseachadh  a  fhu;iir 
iad  ach  beag  is  fann  an  coimeas  ris  an  t  solus  a  dh' 
eirioh  air  an  duthaich  ann  an  linn  nam  faidhean.  Tha 
an  saoghal  a'  tigh"nn  air  aghaidh  an  aite  a  bhi  dol 
air  ais  ann  an  eolas  air  nadur  is  buadhan  Dhe  ;  faodar 
a  radh  nach  do  rainig  a'  ghrian  airde  nan  speur  fhath- 
ast, agus  gu'n  nochd  spiorad  an  Tighoarna  nithean  iir 
do  na  feadhainn  a  thig  "n  ar  deigh  air  nach  do 
rainig  sinne. 


'I'huirt  sinn  an  uiread  so  chum  an  rathad  a  reiteaoh- 
adh  air  son  rud  eile  a  bu  mhaith  leinn  a  radh,  agus  is 
e  sin,  nach  ann  idir  a'  toiseachadh  air  seoi'sa  iir  de- 
dh'  aoradh  a  bha  clann  Israeli  ann  a  bhi  deanamh  aor- 
aidh do  tbarbh.  ach  a"  dol  air  an  ais  gu  seann  seorsa 
aoraidh  a  bha  an  athraichean  a  oleachdadh  anns  a' 
chamhanaich.      'Nuair  a  bha  an  saoghal  'na  leanab- 
achd.   cha  b'  urrainn   do  dh'  inntinn   mbic  an  duine 
greimeachdh  air  an  fhirinn  gur  spiorad  Dia,  no  aoradh 
a  dheanamh  dha  air  mhodh  spioradail.    P.ha  buadhan 
a'  ohuivp  na  bu  laidire  no  buadhan  na  h-inntinn,  agus 
bha  e  na  b'  fhusa  do  dhaoine  aoradh  a  dheanamh  do 
Dhia  a  chitheadh  iad  le'n  suil  no  do  Dhia  nach  b'urr- 
ainn   dhaibh   fhaioinn.      Cha  b' urrainn   dhaibh  an 
inntmn  a  shoorucadh  le  h-earbsa  no  creidimh  air  Dia 
nach  faca  iad  riamh  air  mhodh  sam  bith  eile  ach  le 
solus  an  spioraid  fein  's  le  mac  meamna  na  h-inntinn, 
Is  c  sin  an  t-aobhar  gu'n  do  thoisich  iad  air  dealtih  an 
De  bheo  a  shnaighoadh,  an  cloich,  an  6r.  am  fiodh,  "s 
air  dhoighean  eile.      Cha  b'urrainn  dhaibh  aoradh  a 
dheanamh  gu  spioradail  do  spiorad  \    dh'  fheumadh 
iad  dca.lbh  Dhe  fhaicinn  mu  ohoinneamh  an  siil  chum 
gu'n   creideadh    iad   gu'n   robh    e   da   rireadh  dliith 
dhaibh.     Cha  "n  'eil  e  uile  gu  leir  ceart,  ma  ta,  a  radh 
gu'n  robh  Israeli  a'  cul-shleamhnaobadh  o  chrpidimh 
anns   an    Dia   bheo  agus  a'  tuiteam  air  an  ais  gu- 
iodhalan,  'nuair  a  bha  iad  an  drasd  's  a  rithist  a' dean- 
amh dhaibh  fein  tairbh  oir.      Is  ann  do'n   Dia  bheo, 
lehobhah   an   athraichean,   a  bha   iad    a' ciallachadh 
aoradh  a  dheanamh  fad  na  h-uine,  ged  a  bha  iad  'ga 
shamhlachadh  ris  na  h-iomhaighean  sin,  mar  rinn  iad 
ann  an  linn  Aaroin  agus  ann  an  linn  leroboam.    (!:ha 
'n  'eil  e  furasd  a  dheanamh  a  mach  ciod  a  bh"  aca  's 
an  t  sealladh  ann   a  bhi   tarruing  dealbh  Dhe  air  an 
dnigh  ud.  no  ciod  an   emuain  a  bha  'n  cul  :in  cinn. 
Tha  cuid  de  dhiadhairean  de"n  bheachd  gur  h-ann  o'n 
Eiphit   a   thainig   an    cleachdadh,    ach    tha   a"  mhor 
ehuideachd   am    barail  nach  e   a   oheannach  a  rinn 
iad,    agus   gu'n    d'eirich    an   rud    am   measg   Israeil 
gu     nadurra.        liha     iad     'nan     tuathanaich  ;      cha 
b'  aithne    do    na    tuathanaich    sin    ann     an    staid 
an    leanabachd    's   ann    an   camhanaich    eachdraidh 
an   t-saoghail   samhladh   eile   air   lanachd    no^irt   is 
beatha  a  b'  fhearr  no  tai'bh  og  no  laogh.      Agus  air 
dhaibh  feuchainn  ri  greimeachadh  air  Iknachd  beatha 
is  neart  is  curahachd  an  De  bheo,  ghabh  iad  an  samh- 
ladh sin  air,  agus  tharruing  iad  a  dealbh  mar  laogh 
no  mar  tharbh  oir.      Ged  a  dh'eirich  dindhairean  is 
faidhean  nam  measg  a  rainig  air  an  fhirinn  gu'm  bu 
spiorad  Dia  nach   gabhadh   samhlachadh   ri   ni  sam 
bith  a  b'urrainn  lamh  mhic  an  duine  a  dheanamh,  's 
ged  a  chronuich   iad  an  sluagh  air  son  an  aineolais, 
bha  'n  sluagh  mall  'nan  cridhe,  's  'nuair  a  gheibheadh 
iad  an  cothrom  bha  iad  a'  tionndndh  air  an  ais  a  dh' 
ionnsuidh   an    t-scann   chleachdaidh.       Ann  an   aon 
seadh,   tha  e  fior  gu'n  do  chuidich  na  samhlaidhean 
so  le  Israeil  ann  an  tus  a  h-eaohdraidh  a  h-inntinn  a 
thogail   gu   lebobhah,    ach   an   deigh  laimhe  bha  iad 
'nam  mallachd  's  'nan  cnap-stirra  mor  dhi,  oir  cha  b' 
ann  do  Dhia  a  bha  an  sluagh  neo  spioradail  a'  dean- 
amh   aoraidh    ach    do  'n     t  -  samhladh.       'N  uair   a 
tboisicheas  daoino  air   aoradh  a  dheanamh  do   Dhia 
tre  shamhlaidhean's  tre  iomhaighean,  is  e  fia  bitheanta 
a's  deireadh  dha  sin,  gu  'n  dichuimhnich  iad  L>ia  's 
gu'n   toir  iad   an   aoradh  do  na  h-iorahnighean  fein. 
Chi  bhiodh  e  furasd  a  thomhas  am  feum  a  rinn  an 
dara  aithne  ann  an  eachdraidh  an  t-saogh;iil,  oir  bha 
i  'na  meadhon  mor  air  a  theagasg  do  dhaoine  aoradh 
fior  ghlan  a  dheanamh  do'n  Dia  bheo. 


1 


r. 
.J 


Air  5. 


SAGAIETEAN    DO    DHIA 


s 

^^^^^f  ^1 

M^g 

^g 

ll^^^pij 

^^^^^^^^§ 

^^^^^^ 

HJ^^a^ 

i^^iS^S^n^^ 

gjffiffl^m^ 

1911. 


Dhasan  a  ghradhaich  sinn,  agus  a  dh' 
ionnlaid  sinn  o  ar  peacanna  'na  fhuil  fein, 
agus  a  rinn  righrean  dhinn  is  sagairtean  do 
Dhia  's  d'a  Athair,  dhasan  gu  'n  robh 
gloir  agus  cumhaehd  gu  saoghal  nan 
saoghal. — Taisbean  I;    5,   6. 

Anns  an  am  anns  an  do  egriobhadli 
leabhai-  an  Taisbeanaidh  bha  an  eaglais 
Chriosdnidh.  a'  fulang  geur  -  leanmhuinn  a 
theap  sgrioiS.  a  thoirt  oirre.  Dh'  eiricli  cumh- 
achdan  an  t-saoghail  an  aghaidh  sluagli  an 
Tigliearna;  agus,  a  reir  coltais,  bha  iad  an 
impiJ  a  bhi  air  an  sguabadh  bharr  aghaidh 
na  talnihainn.  Am  measg  nan  trioblaidean 
's  nan  deuchainnean  a  thainig  orra,  bha 
cuid  de  na  creidmhich  a'  call  am  misnich 
agus  a'  tuiteam  air  falbh.  Anns  an  leabhar 
so  tha  an  t-abstol  Eoin  a'  feuchainn  ri  mis- 
neach  na  feadhnaoh  sin  a  neartachadh  agus 
ag  innseadh  dhaibh  mu  'n  taisbeanadh  ghlor- 
mhor  a  thug  Dia  dha  air  nithean  a  bha  ri 
taehairt  ann  an  nine  ghearr.  Le  h-iomadh 
samhladh  tha  e  a'  cur  'nan  cuimhne  gu  bheil 
cumhaehd  Dhe  ag  oibreachadh  air  taobh  a 
shiuaigh  agus  gu  bheil  an  t-am  fagus  anns 
an  criochnaichear  laithean  am  broin.  Biodh 
na  naoimh,  tha  e  ag  radh,  fo  dheagh 
mhisnich  ;  oir  saoraidh  an  Tighearn  as  an 
teanntachdaibh  iad  agus  rioghaichidh  iad  gu 
siorruidh  maille  ris  anns  an  Jerusalem 
Nuadh.  Tha  an  Tighearn  a'  rioghachadh; 
criothuaioheadh  an  talamh;  tha  an  Tigh- 
earn a  rioghachadh  ;  deanamh  na  naoimh 
gairdeachas  —  is  e  sin  suim  na  tha  an 
t-Abstol  Eoin  ag-  radh  anns  an  leabhar  so. 

Tha  an  litir  a  sgriobh  e  chum  nan  seachd 
eaglaisean  a'  toiseachadh  anns  an  doigh  abh- 
aisteach,  Gras  dhuibh  agus  sith  o'n  Ti  a 
ta  agus  a  bha,  agus  a  ta  ri  teaehd,  agus 
o  losa  Criosd,  an  fhianuis  fhior,  an  ceud- 
ghin  o  na  marbhaibh,  agus  uachdaran  righ- 
rean na  talmliainn.  Ach  cha  luaithe  a  dh' 
ainmich  Eoin  an  t-ainm  naomh  a  tha  os 
cionn  gach  ainm  no  chaidli  a  chridhe  a  maeh 
a  dh'  ionnsuidh  an  Tighearn  losa  le  solas 
is  aoibhneas,  agus  thionndaidh  e  clar  |mjionaid 
no  dha  o  bhrosnuchadli  a  bhraithrean  chum 
ainm  a  Shlaniugheir  a  bheannachadh  — 
Dhasan  aig  a  bheil  g-radh  dhuinn,  agus  la 
dh' ionnlaid  sinn  o  ar  peacanna  'na  fhuil 
fein,  agus  a  I'inn  rioghachd  dhinn,  sagairt- 
ean   d'a'    Dhia 's    d'a    Athair;     dhasan   'gu  'n 


robh  a'  ghloir  agus  a'  chumhachd  gu  saoghal 
nan   saoghal. 

Cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  an  ire 
a  rainig  na  deisciobuil  ann  an  eolas  spiora- 
dail  aig  an  am  anns,  an  do  chuireadh  losa 
gu  has,  ach  tha  e  furasda  gu  leoir  fhaicinn 
gii  'n  d'  fhas  's  gu  'n  d'  abaich  iad  gu  h-ana- 
barrach,  an  eolas  's  an  creidimh,  an  deigh 
dha  eirigh  o  na  marbhaibh.  Thainig  iad 
gu  bhi  creidsinn  ann  an  diadhachd  losa  uigh 
ar  n-uigh,  agus  is  docha  nach  b'  urrainn 
dhaibh  fein  innseadh  ciamar.  Cha  b'  ann 
mar  Dhia  a  b'  aithne  dhaibh  e  an  toiseach 
ach  mar  dhuine;  agus  ghradhaich  iad  e  mar 
charaid  fada  m'an  do  thoisich  iad  air  aoradh 
a  dheanamh  dha  mar  aon  de  phearsachan 
na  Diadhachd.  Tha  eadar-dhealachadh  mor 
eadar  na  smuaintean  a  blia  Eoin  ag  altrum 
mu  losa  anns  na  laithean  anns  an  robh  iad 
ag  imeachd  comlila  ann  an  Galile  agus  na 
smuainteajn'  a  bha  e  ag  alti'um  uime  ann  am 
Patmos,  bliadhnachan  an  deigh 'aiseirig-h.  An 
taobh  a  mach  do  Mhuire  cha  robh  neach  air 
an  t-saoghal  d'  am  b'  aithne  losa  na  b'  fhearr 
na  Eoin.  B'  aithne  dha  fuaim  a  ghutha, 
b'  aithne  dha  coltas  'aodainn  is  dath  a  shul, 
b'  aithne  dha  a  dhoigh  labhairt  's  a  dhoigh 
coiseachd,  agus  shaoileamaid  g-u  'n  tugadh 
e  tarruing-  air  na  nithean  sin  an  uair  a  thods- 
ich  e  air  cunntas  a  thoirt  air  an  t-sealladh 
a  chunnaic  e  air  Criosd  ann  am  Patmos. 
Shaoileamaid  gu  'm  biodh  an  Criosd  a  chun- 
naic e  ann  am  Patmos  car  coltach  ri  Mac 
an  duine  a  bha  maille  ris  ann  an  Galile. 
Ach  an  aite  aire  a  luchd  leug-haidh  a 
shocruchadh  air  buadhan  losa  mar  b'  aithne 
dha  e  Jann  an  laithean  fheola,  tha  an  t-abstol 
a'  cur  nan  nithean  sin  uile  as  an  t-sealladh, 
agus  ag  innseadh  uime  ann  an  doigh  a  tha 
a'  nochdadh  gu  soilleir  nach  b'  ann  a  reir 
na  feola  a  b'  aitluie  dha  e  a  nis  ach  ann  an 
cumhaehd  a  Dhiadhachd.  "  Bha  a  cheann 
agus  fhalt  geal  mar  oluinn  ghil,  agus  a 
shuilean  mar  lasair  theine.  Agus  a  chasan 
cosmhuil  ri  umha  fiorghlan,  agus  a  ghuth 
mar  thoirm  mhoran  uisgeachan.  Agus  bha 
aige  'na  laimh  dheis  seachd  reultan:  agus 
claidheamh  geur  da  fhaobhair  a'  teaehd  a 
mach  as  a  bheul,  agus  a  ghniiis  mar  a' 
ghrian  a'  dealrachadh  'na  Ian  neart."  Mar 
bha  na  bliadhnachan  a' dol  seachad  bha  eolas 
Eoin  air  a  Shlanuighear  a'  fas,  agus  chunnaic 
e  gloir  as  deigh  gloir  is  doimhneachd  as 
deigh  doimhneachd  ann  an  diomhaireachd  a 
naduir.  Cha  b'  e  Criosd  ur  a  chunnaic  e 
anns  an  eilein  ach  an  Criosd  a  b'  aithne  dha 


18 


cheana,  aun  an  doigh  a  bu  shoilleire.  An 
uair  a  blia  iad  comlila  anna  an  it-seomar 
uaehdrach  leag  an  t-abstol  a  cheann  air 
uclid  a  Mhaiglistir,  aeh  'nuair  a  chunnaic  e 
am  Maighstir  ceudna  ann  am  Patmos,  ann 
an  staid  a  ghloire  agus  ann  an  cumhachd 
'aiseirigh,  tliuit  e  sios  aig  a  chasan  ann  an 
riochd  mairbh.  Ann  an  kithean  flieola  thug 
e  gaol  do  losa  mar  charaid  's  mar  bhrathair; 
ach  a  nis  chaidh  na  seann  nithean  sin 
seachad,  's  tlia  e  a'  deanamli  aoraidh  dha  mar 
a  Tliigearna  's  a  Dhia,  agns  a'  taomadh  a 
mach  a  chridhe  'na  lathair  le  laoidh  bhuidh- 
eachais — Dliasan  aig  a  bheil  gradh  dhuinn, 
agus  a  dh'  ionnlaid  sinn  o  ar  peacanna  'na 
fhuil  fein,  agus  a  rinii  rioghachd  dhinn,  sag- 
airtean  do  Dhia  's  da  Athair,  dhasan  gu  'n 
robh  a'  ghloir  agus  a'  chumhachd  gu  saoghal 
nan    saoghal. 

Cha  b'  iirrainn  do  Eoin  facal  brosnucli- 
aidh  a  b'  tliearr  a  labbairt  ris  na  feadhainn 
a  bha  a'  call  am  misnich,  no  gi-adh  Chriosd 
dhaibh  a  chur  'nan  cuimline.  Is  e  dochas 
is  misneach  chreidmheach  nacli  failnich  a 
ghradli-san.  Faodaidh  matliair  leanabli  a 
cuim  a  dhiehuimhneachadh  ach  cha  dich- 
nimhnich  Criosd  a  shluagh.  Tha  iad  gearrte 
air  dearnaibh  a  laimhe,  agus  cha  chaill  e 
aon  de  na  thug  'Athair  dha.  Dealaichidh  na 
sleibhtean  r'am  bunaiteau  agus  atharraichear 
na  beanntan  as  an  aite,  ach  cha  dealaich  mo 
chaoimhneas  riut-sa  's  cha  'n  atharraichear 
comh-cheangal  mo  shith,  deir  an  Tighearna. 
Bha  fios  aig  Eoin  gu  'n  toir  daoine  urram  ia 
aoradh  do  'n  Tighearn  anns  an  tomhas  anns 
a  bheil  faireachduinn  aca  air  na  tiodhlacan 
a  tha  iad  a'  sealbhachadh  bhuaith,  agus  tha 
e  mar  sin  a'  dol  air  aghaidh  gu  bhi  cur  an 
cuimhne  a  luchd  leughaidh  cuid  de  na 
beannachdan  a  tha  sruthadh  o  ghradh 
Chriosd — Dhasan  a  ghradhaich  sinn,  agus 
a  dh'  ionnlaid  sinn  o  ar  peacamia  'na  fhuil 
fein.  Ann  a  bhi  'g  radh  gu  bheil  Criosd  a' 
toirt  maitheanas  am  peacanna  d'a  shluagh, 
cha  'n  'eil  Eoin  a'  teagasg  ach  an  fhirinn  a 
chual  e  le  chluasan  fein  iomadh  uair  o 
bhiJean  losa.  'Nuair  a  shin  e  an  cupan  d'a 
dhoiseiobuil  aig  an  t-suipeir  thuirt  e  riu — 
Plaibh  uile  dheth,  oir  is  i  so  fuil  a'  chumhn- 
ant  ag-amsa,  a  dhoirtear  airson  mhoran  chum 
maitheanas  pheacanna.  Tha  an  fhirinn  so 
air  a  teagasg  eho  soilleir  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  's  nach  gabli  i  folnch;  agus  b' e  an 
soisgeul  leis  an  do  ehoisinn  Pol  na  cinnich 
an  soisgeul  a  fhuair  e  air  tus — "  Gu  'n 
<i'  fhuair  Criosd  bus  air  son  ar  peacanna  a 
reir  nan  sgriobtur."  Is  e  maitheanas  pheac- 
anna an  tiodhlac  a's  priseile  a's  urrainn  Dia  a 
thoirt  do  dhaoine,  agus,  a  dh'  aindeoin  ciod 


a  their  an  saoghal,  oibrichidh  maitheanas 
naomhachd  ann  am  beatha  na  feadhnach  a 
fhuair  e,  oir  tha  caomhalachd  Dhe  ann  a  bhi 
sealltuinn  thairis  air  an  cionta  a'  leaghadh 
cruas  an  cridhe  's  a'  dusgadh  taingealachd 
annta  a  bhrosnuicheas  iad  gu  seirbhis  a 
dlieanamh  do'n  Tighearna  le  'n  uile  chridhe. 
Tha  e  cho  miorbhuileach  gu  'n  cuireadh  Dia 
sgaradh  eadar  an  duine  's  a  pheacanna  le 
facal  a  ghrais,  's  a  tha  e  gu  'n  cumadh  e 
na  reultan  'nan  cursa,  linn  as  deigh  Unn,  le 
facal  a  chumliachd.  Cha  'n  urrainn  peann 
no  teanga  labhairt  air  maitheanas  Dhe  mar 
bu  choir,  no  an  t-sith  's  an'  t-saorsa  a  tha 
'ga  leantuinn  a  chm-  an  oeill.  Cha  tuig-ear  e 
ach  leosan  a  dh'  fhiosraich  e,  ach  togaidh 
iadsan  uile  a  fhuair  troeair  o  Dhia  an  guth 
maille  ri  Eoin  agus  ris  na  naoimli,  agus 
seinnidh  iad  laoidh  bhuidheachais  dhasan 
a  ghradhaich  iad  agus  a  dh'  ionnlaid  'iad 
o'm  peacanna  'na  fhuil  fein. 

Tha  an  t-abstol  a'  cur  gradh  Chriosd  air 
thoiseach,  oir  is  e  an  gradh  sin  an  tobar 
as  a  bheil  uile  bheanuachdan  ar  slainte  a 
sruthadh;  agus  'na  dheigh  sin  tha  e  ag 
ainmeachadh  aon  de  na  tiodhlacan  a  tha 
creidmhich  a'  sealbhachadh  mar  thoradh  a 
ghraidh;  ach  tha  e  dol  air  aghaidh  gu  bhi 
'g  innseadh  mu  'n  inbhe  ard  is  ujramach 
dh'  ionnsuidh  a  bheil  Criosd  a'  togail  na 
feadhnach  a  fhuair  maitheanas  —  a  rinn 
rioghachd  dhinn,  sagairtean  do  Dhia  's  d'a 
Athair.  Bha  cuimhne  aig  Eoin  air  na 
briathran  a  labhair  Dia  ri  cloinu  Israeil — 
"  Ma  ghleidheas  sibh  mo  chomlicheangal, 
bidh  sibh  dhomhsa  'n  ur  n-ionmhas  son- 
ruichbe  os  cionn  nan  uile  shluagh;  bidh  sibh 
dhomhsa  'n  ur  rioghachd  shagairtean  agus 
'n  ur  cinneach  naomh." — Exod.  xix.  5.  Cha 
'n  e  mhain  gu  'm  fireanaich  Dia  an  dream 
a  ghairmeas  e,  ach  gloraichidh  e  iad  mar 
an  ceijdna.  Tha  e  a'  toirt  d'a  shluagh  soch- 
airean  is  coraichean  nach  'eil  aig  maithean  an 
t-saoghail;  tha  iad  'nan  teaghlach  rioghail 
's  'nan  oighreachan  air  Dia,  agus  a'  gluasad 
ann  an  saorsa  ghlormhor  a  chloinne.  Anns 
na  seann  kithean  agiis  fo  'n  t-seann  chumhn- 
anta  bha  na  sagairtean  ann  an  daimh  a  bu 
dluithe  ri  Dia  no  bha  an  corr  de'n  t-sluagh, 
agus  bha  an  rathad  fosgailte  dhaibh  do  'n 
ionad  naomli;  ach  le  blias  fein  bhris  Criosd 
sios  am  balla-meadhoin  a  bha  eadar  daoine 
is  Dia  agus  choisrig  e  d'  a  shluagh  slighe 
nuadl,  is  bheo  a  steach  do  'n  ionad  a's  ro 
naoimhe.  Fo  'n  chumhnanta  nuadh  tha 
sluagh  an  Tighearna  uile  'nan  sagairtean;  oir 
tha  an  t-slighe  fosgailte  dhaibh  gu  Dia,  agus 
tha  cead  aca  tigh'nn  'na  lathair  agus  amhare 
air   a  ghloir  le  aghaidh   gun   fholach.     Is  e 


?? 

M 


I 


19 


so  an  smuaiii  a  blia  aun  an  inntinn  Eoin 
'nuaii-  a  labliair  e  umpa  mar  shagairtean. 
Tha  e  a'  smuaineachaclh  air  sliiagh  an  Tigh- 
eaina  mar  dhaoine  a  tha  air  an  gairm  gu 
droiichd  ard,  a  tha  air  an  cur  air  leth  gu 
seirbhis  Dhe,  a  tha  air  an  dealachadh  o  'n 
t-saoghal,  agus  a'  mealtainn  sior  cho- 
chomunn  ris  an  Righ  a  ghairm  's  a  sheulaich 
iad.  Is  mor  agus  priseil  an  t-sochair  e, 
gu  'm  biodli  rathad  fosgailte  daonnan  aig 
creidmhich  gu  lathaireachd  an  Righ,  ach 
ciod!  a  ghne  dhaoinie'  a  bu  choir  a  bhi  annta- 
san  aig  a  bheil  an  t-Mchaiir  so?  Cha  sagairt 
iior  neach  sam  bith  ach  neach  aig  a  bheil 
lamhan  glan  is  eaithe-beatha  naomh.  Cha 
'n  'eil  ann  an  sagairteachd  gun  naomhachd 
ach  an  t-ainm  gun  an  tairbhe.  Tha  iadsan 
a  tha  da-rireadh  'nan  sagairteau  do  Dhia  air 
an  sgeadachadh  ann  an  trusganaibh  g-eala, 
agus  is  e  maise  na  naomhachd  an  trusg'an 
g«al.  Tha  gloir  Dhe  is  gloir  an  duine  a' 
coinneachadh  aun  an  uadur  na  feadhnach 
sin  a  tha  'nan  sagairtean  fior.  Tha  iad 
daonnan  dluth  do  Dhia,  oir  tha  iad  a'  dean- 
amh  aoradh  dha  gun  sgur;  ach  tha  iad 
mar  an  ceudna  dluth  d'an  co-chreutairean 
oir  tha  iad  comasaeh  air  co-fhulangas  a 
bhi  aca  r"  an  anmhuinneachd.  Is  e  sagairt- 
ean an  Tiomnaidh  Nuaidh,  iadsan  aig  a 
bheil  gradh  do  Dhia  is  gradh  do  dhaoine, 
iadsan  a  tha  naonih  is  iriosal  is  glan  'nan 
cridhe,  iadsan  a  tha  caomhal  is  trocaireach, 
iadsan  aig  a  bheil  spiorad  na  h-urnuigh  is 
spiorad  na  sith,  iadsan  aig  a  bheil  eud  air 
taobh  an  Tighearn  agiis  a  shaothraicheas  'na 
sheirbhis.  Is  e  sin  toradh  an  Spioraid,  an 
toradh  ris  a  bheil  fiuthair  aig  Criosd,  ceann 
na  h  -  eaglais,  o  blieatha  nan  daoine  a 
ghradhaich  e,  agus  a  dh'  ionnlaid  e  o'm 
peacanna  'na  fhnil  feiu,  agus  d'  an  do  rinn 
: -e  sagairtean  do  Dhia  's  d'a  Athair.  'Nuair 
a  shocruich  inntinn  an  t-abstol  Eoin  air  na 
tiodhlacan  beanuaiehte  a  bhuilich  Criosd  air 
a  shluagh,  'nuair  a  bheachd  smuanich  e 
air  gradh  an  t-Slanuialieir,  air  an  t-saorsa 
a  choisinn  e  dliaibh  le  fhulangas  fein,  agus 
air  an  inbhe  ard  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairm 
e  iad,  cha  'n  'eil  e  iong-antach  gu  'n  do  lion 
a  chridhe  le  taingealachd  is  moladh  agus 
gu  'n  do  sgi'iobh  e — Dhasan  gu  'n  robli  a' 
ghloir  agus  a'  chumhachd  gu  saoghal  nan 
saoghal. 


OBAIR     NA     H  -  EAC4LAIS. 


Ann  an  iomadJi  sgireachd  anus  a'  Ghaidh- 
ealtachd  cha  'n  'eil  an  eaglais  Steidhichte  ach 
gu  maith  lag,  agus,  air  an  aobhar  sin,  tha 
moran    dhaoine    anns    na    cearnaibh    sin    pn 


duil  nach  'eil  i  'na  cumhachd  spioradail  idir 
anns  an  tir.  Tha  e  fior  nach  'eil  i  a'  faot- 
ainn  cothrom  ann  an  cearuan  de  'u  Ghaidli- 
ealtachd  a  reir  a  durachd  's  a  gradh  do  'n 
t-sluagh,  ged  tha  cuisean  a'  fas  na  's  fhearr 
no  bha  iad,  ach  tha  an  eaglais  a'  deauamh 
obair  fhiachail  ann  an  aitean  eile,  agus  obair 
a  tha  air  a  h-aideaehadh  's  air  a  beannachadh 
le  Dia.  Tha  e  ceart  gu  'm  biodh  uigh  aig 
muinntir  na  h-eaglais  anns  an  obair  anns  a 
bheil  i  a'  saothraehadh,  agus  bu  mhaith  leinn 
anns  an  aireamh  so  beagan  a  radh  mu  obair 
na  h-eaglais  air  a'  bhliadhn'  a  chaidh  seachad 
aig-  an  tigh  agus  ann  an  duthehanna  cein. 
Cha  'n  lu-rainn  fiutliair  a  bhi  aig  eaglais 
sam  bith  ri  soirbheachadh  ach  anns  an 
tomhas  anns  a  bheil  i  soisge.ulach  agus  anns 
an  tonilias  anns  a  bheil  a  sluagh  eudmhor 
gu  ordugh  an  Tigheaxn  a  choimhlionadh  — 
"  Imichibli  air  feadh  an  t-saoghail  uile  agus 
searmonaichibh  an  soisgeul  do  gach  duil." 
Gu  'n  doirteadh  Dia  air  luchd  dreuchd  is 
luchd  comanachaidh  na  li-eagiais  an  spiorad 
naomli  chum  's  gu  'm  bi  iad  seasmhach,  neo- 
ghluasadaeh,  a'  sior  mheudachadh  ann  an 
obair  an  Tighearna.  Chiur  an  eaglais  a 
mach  ministearan  is  seirbhisich  eile  do  na 
h-Innsean,  do  'n  Afric,  agus  do  China,  agus 
an  uiridh  chruinnich  muinntir  na  h-eaa-lais 
aig  an  tigh  corr  is  sia  deug  is  da  fhichead 
mile  punnd  Sasunnach  chum  an  obair  sin  a 
chur  air  aghaidh.  Faodar  an  rud  a  chur 
ann  an  doigh  anns  an  glac  e  an  t-suil: — 

Aireamh  an  luchd  oibre  an  duthchannan 

CEIN. 

I. — Daoine  Geala. 

Ministearan,  -         -  -  34 

Dotairean,  -         -  -  12 

Seirbisich    eile,      -         -  -  15 

Boirionnaich,  -         -  -  75 

Mnathan  nam  Ministearan,  -  34 


170 

II. — Daoine  Dubha. 

Ministearan,           -         -         - 

13 

Ceistearan, 

210 

Maiglistearan-sgoile , 

555 

778 
An  toradh. 
Aireamli    nan    cinneach    iompaichte,    21,212 
Luchd  Comanachaidh,       -         -         -       6,870 
Sgoilearan,        -----     17,454 
Chaidh    a    bhaisteadh    an    uiridh,    -       2,700 

An   tigh'nn   a   Stigh. 
Anns   an   duthaich   so,  -     £46,412     0     0 

Anns  na  dut*hannan  thai],  -  9,702  11     6 


20 


De  "u  t-suim  so  blia  corr  is  sia  mile  cleug 
air  a  chruinneacliadh  le  comunn  nam  ban 
anns  an  eaglais,  comunn  a  tha  deanamh 
obair  fhiachail  anns  gach  sgireaelid  anns  an 
deachaidli  cothrom  a  tlioirt  dhaibli.  Ach  tha 
an  saoghal  farsuing,  agus  tlia  an  soirbheach- 
adli  a  thug  Dia  do  'n  eaglais  cheana  'na 
ghairm  iir  d'a  sluagh,  ag  iarraidh  orra  an 
tuilleadh  dichill  a  dheauamh.  'Nuair  a  chi 
na  duthchanna  borb  gu  bheil  gradh  Chiiosd 
a'  co-eigneachadh  nan  criosdiiidlieau  gu  dol 
thai'  chuantan  thuea-san,  chum  am  bochdan 
a  chuideachadh,  an  clann  a  theagasg  ann 
an  eolas  na  firinn,  agus  am  muinntir  thinn 
a  leigheas,  bidh  an  soisgeul  dhaibh  'na  sgeul 
aoibhueacli. 

Aig  an  tigh  cha  'n  "eil  an  eaglais  'na  tamh . 
Tha  sluagh  na  duthcha  a'  taomad.li  a  steacli 
do  na  bailtean  mora,  air  clior  's  nach  'eil  aite 
dhaibh  anns  na  h-eaglaisean  a  bha  lionmhor, 
gu  leoir  fichead  bliadhna  roimhe  so.  Tha 
eaglaisean  ura  'gan  tog-ail  a  chionn  gu  bheil 
i'eum  orra.  Tha  sia  ceud  is  tri  fichead 
eaglaij  de  'n  t-seorsa  so  air  an  togail  cheana, 
aguis  cha  d'  thug  an  staid  boun  a  sia  airson 
an  aobhair  .sin.  Tha  moran  dhaoine  am 
beachd  gur  h-e  an  staid  a  tha  cumail  >3uas 
na  h-eaglais  Steidhichte  uile  gu  leir.  Cha  'n 
'eil  sin  fior.  Tha  coig  oeud  eaglais  againn 
naoh  'eil  a'  faotaiun  ruabhag  ruadh  ach  na 
thogas  am  buill  fain.  Aig  an  Ard  Sheanadh 
ann  an  1904  riuu  an  eaglais  suais  a  h-inntinn 
gu  'u  robh  e  feumail  leth  cheud  sgireachd 
ur  a  chomharrachadh  a  maeli  m'an  tigeadh 
deich  bliadhna.  Bha  an  rud  ri  corr  is  ceud 
mile  a  chosg.  Tha  seachd  bliadhna  seaehad 
a  nis,  agus  tha  deich  air  fhichead  de  na 
h-eas'laisean  sin  air  bonn  ;  ach  feumar 
cabhag-  a  dbeanamh  ma  tha  each  ri  bhi  deas 
m'an  tig  1914.  Ciod  air  bith  a  ni  eaglaisean 
eile  tha  e  mar  fhiachaibh  air  eaglais  na 
h-Alba  meadhonaoi  nan  graB  a  tJibirt  ,do  g-ach 
cearn  de  'n  duthaich  chum  's  gu  'm  bi  coth- 
rom aig  na  li-uile  feitheamh  air  Dia  ann  an 
orduighean  an  t-soisg-eil.  Tha  sinn  an 
dochas  gu  'm  bi  sluagh  na  h-eaglais  eudmhor 
anns  gach  deagh  obair  agus  gu  'm  bi  an 
saothair   air  a   crunadh   le   beannachd   Dhe. 


AN     LUIBHRE. 


Anns  an  treas  caibideal  deug  de  Lebhit- 
icus  tha  cunntas  mionaideach  ri  fhaotainn 
mu  'n   ghalair    uamhasach   so. 

Bha  an  galair  an  da  chuid  gabhailteach  is 
duthchasacTi,  agus  bha  eagal  air  daoine 
roimhe  anns  na  seann  laithean  mar  tha  eagal 


orra  an  diugli  roimh  'n  bhric.  Cha  robh 
maith  dhaibhsan  air  an  robh  e  an  aodann 
a  nochdadh  anns  an  t-sionagog  no  an  aite 
sam  bith  eile   far  am  biodli  daoine   cruinn. 

Bha  e  air  a  radh  gur  h-anu  'san  Eiphit 
a  flmair  na  h-Iudhaich  e,  agus  gu  'm  b'  e 
cruas  na  h-oibre  a  bh'  aca  ri  dheanamh 
aig  na  h-athaelian  creadha  a  bu  mhathair 
aobhair  dha.  Ach  cha 'n 'eil  e  coltach  gu 'n 
robh  e  dad  na  bu  chumanta  am  measg  nan 
ludhach  no  bha  e  am  measg  chinneach  eile 
anns  an  aind  an  ear.  Bha  an  galair  cho  fada 
sear  ris  na  h-Innsean  is  lapan  mile  bliadhna 
roimh  theachd  Chriosd.  Bha  muinntir 
Phersia  a'  creidsinn  gu  'n  do  pheacaich  gach 
noach  air  an  robh  an  luiblire  an  aghaidh  na 
greine.  Cha  'n  e  mhain  nach  tugadh  iad 
fasgadh  do  dhuine  air  an  robh  an  galair, 
ach  bhiodli  iad  a'  cur  as  do  chalumain 
gheala,  an  duil  gu  'u  robh  e  orra-san 
cuideachd. 

Anns  an  deicheamh  linn  rainig  e  an  B-oinn 
Eorpa  agus  fad  nan  ceudan  bliadhna  'na 
dheigh  sin  bha  e  cumanta  gu  leoir,  eadhoin 
ann  am  Breatunn.  An  sid  's  an  so  air  feadh 
na  duthcha  chithear  comharran  fhathast  gu'n 
robh  a'  phlaigh  so^  aon  uair  'n  ar  measg. 
Bliiodh  iadsan  air  an  robh  i  air  an  cumail 
ann  am  punndar,  dealaichte  o  dhaoine;  agus 
tha  ainmeannan  is  laraichean  nam  punndar 
sin  air  chuimhne  fhathast.  Cha  'n  fhacas 
luibhre  ann  am  Breatunn  o  chionn  uine 
fhada,  ach  tha  an  galair  gle  dhona  ann  an 
Locblann  fhathast,  agus  bidh  e  a'  bristeadh 
a  mach  am  drasd  's  a  rithist  ann  an  Russia, 
anns  an  Spainnt,  anns  an  Eadailt,  agus  anns 
a'  Ghreig.  Gheibhear  e  anns  an  Afric  anns 
na  bailtean  a  tha  dluth  do  'n  chladach.  Tha 
e  anns  an  h-Inusean  mar  bha  e  riamh  agus 
ann   an   China . 

Ged  a  cUi' fhaodas  feadhainn  a  ghabhail  a 
tha  glan  'nam  full 's  'nan  craicionn,  tha  e 
coltach  gur  h-e  an  salachar  a  tha  'ga  thogail. 
Droch  thigean,  is  cion  gloine,  is  droch 
bhiadh — is  e  sin  mathair  aobhar  na  luibhre. 
Tha  cuid  de  lighichean  a'  cumail  a  mach  gu 
bheil  iadsan  a  tha  tigh'nn  beo  air  iasg 
buailteach  do  'n  ghalair,  gn  sonruichte  air 
iasg  saillte . 

Bha  e  air  a  radh,  ged  nach  urrainn  sinn 
aitJiris  mar  fliirinn,  gur  e  so  an  galair  a  thug- 
bas  do  righ  Albainn,  Eaibeart  Brus.  Ged 
nach  'eil  samhladh  a's  bitheanta  ris  am  bi 
searmonaichean  a'  samhlachadh  a'  pheacaidh 
no  luibhre,  cha  'n  'eil  an  samhladh  sin  idir 
air  a  olileachdadh  anns  a'  Bhiobull.  Ach  tha. 
an  da  rud  cho  coltach  ri  cheile  an  iomadh 
doigli  's  nach  b'  urrainn  do  luchd  teagai-sg 
eun    amas    air. 


"i 


Air  6. 


1911. 


DOCHAS    AN    T-SALMADAIR. 


Cha  'n  jhag  thu  m'  cmam  anns  an  iiaigh : 
cha  leig  thu  le  t-aon  naomh  truaillidheachd 
fhaicirm. — Salm    xvi.    10. 

Tlia  e  air  a  radh  giu-  e  Daibhidh  a  sgriobh 
an  t-salm  so  an  uair  a  bha  Saul  an  Itoir 
air  a  bheatha.  Tha  e  fein  ag  innseadh 
ann  an  eeud  leabliar  Sliamueil,  xxvi.  19, 
gu  'n  robh  e  air  fliuadachadli  a  macli  p 
oigiireachd  an  Tigliearna,  agus  gu  'n  robli 
cuisean  clio  dorclia  aig  an  am  sin  's  gu  'u 
d'  iarr  daoine  air  seirbliis  a  dheanamh  do 
dhiatlaan  eile  agus  ciil  a  chur  ri  lehobliali 
a  chionn  gu  'n  do  ehuir  leliobhah,  a  reir 
coltais,  cul  ris-san.  Acli  a  dli' aindeoin  nan 
duiieadasan  's  nan  trioblaidean  a  thainig 
air,  cha  'n  eisdeadh  an  salmadair  ri  comli- 
airle  na  feadhnacli  sin  oir  bha  e  cinnteach 
nach  treigeadh  an  Tighearn  e.  Eadhoin  anus 
an  dorchadas  bha  co-cliomunn  aige  ri  Dia, 
agus  ann  a  lionmhoiieachd  a  smuaintean  an 
taobh  a  stigh  dheth  bha  a  chomfhurtachd- 
san   a'   toirt  solas   d'a   anam. 

Cuibhrionu  mo  ehup'  is  m'  oigiireachd  Dia : 

'S    tu    sheasas    dhomh    mo    chrann. 

An   aitibh   aoibhneach    thuit    mo    lion: 

'S  learn  oighreachd  bhriagli'   nach   gann. 

Cha   b'  urrainn   e   smuaineachadh   air   aoibh- 

neas  a  |b'  airde  no  gu  'm  biodli  Dia  a  ghnath 

maille    ris,    agus    air    dha    a    bhi    cinnteach 

gu  'n  robh  Dia  air  a  dheis  laimh  cha  cliuir- 

eadh  cunnart  no  trioblaid  sam  bith  eagal  air. 

Bha    e     cinnteach     nach     cuireadh     ba.s     no 

beatlia,   no   nithean  a   ta   lathair   no   nithean 

a  ta  ri  teachd  sgaradh  eadar  Dia  is   'anam. 

Agus    air    dha    an    dearbhaehd    laidir    so    a 

ruighinn     agus     fiosrachadh     fhaotainn     air 

daimh    cho    dluth    ri    Dia,    tha    e    ag    radh, 

Anns   an    uaigli    cha  'n    fhagar    leat 

Shios    m' anam   air   aon   achd: 

Cha  leig  thu  fos  do   d'   sheirceinu  naomli 

Gu  'm    faic   e    truaillidheachd. 

Dhomh  sligh   na   beatha   nochdaidh   tu: 

A'd    lath'r   Ian   aoibhneas    ta, 

Is  aig  do   dheas   laimh   fein  a   Dhe, 

Mor   shubhachas    gu   brath. 

Tha  cuid  de  dhaoine  an  dull  gu  bheil  an 
t-salm  so  a'  teagasg  neo-bhasmhorachd  an 
anma,  agus  gu  'n  robh  an  salmadair  cinnt- 
each nach  b' e  an  uaigh  crioch  a  reis.     Bha 


an  t-abstol  Peadar  de  'n  bheachd  nach  ann 
idir  uime  fein  a  bha  an  salmadair  a'  labhairt 
ach  mu  Chriosd,  oir  anns  an  t-searmon  |a 
labhair  e  air  la  na  oaingis  thubhairt  e  nach 
gabhadh  na  briathran  so  a  bhi  air  an  coimh- 
lionadh  ann  an  Daibhidh  do  bhrigh  gu  'n 
d'  fhuair  Daibhidh  bas  agus  gu  'n  d'  adh- 
laiceadh  e,  agus  gu'n  robh  'uaigh  r'a  faicinn 
gus  an  la  'n  diugh.  Tha  e  ag  radh  gur 
h-ann  mu  aiseirigh  Chriosd  a  bha  an  salm- 
adair a'  labhairt  air  dha  fhaicinn  roimh 
laimh  nach  faiceadh  'fheoil  truaillidheachd. 
Chleaehd  Pol  an  argumaid  cheudna  ann  an 
Antioch  agus  thugj  e  (seachad  mar  aon  de  na 
dearbhaidhean  gu  'n  d'  eirich  Criosd  an 
fhaisneachd  a  rinn  an  salmadair — "Cha  'n 
fhuiling  thu  do  d'  Aon  naomh  gu  'm  faic 
e  truaillidheachd . "  Gniomh  xiii.  35.  Chunnaic 
feoil  Dhaibhidh,  tha  e  ag  radh,  truaillidh- 
eachd agus  mar  sin  cha  robh  na  briathran 
air  an  coimlilionadh  ann,  ach  an  ti  a  tliog 
Dia  suas  cha  'n  fhae'  esan  truaillidheachd. 
Cha  ruig  sinn  a  leas  dad  a  radii  air  ^' 
chuis  sin  an  drasd  ach  faodar  a'  cheist 
fheoraich — an  robh  dochas  na  beatha  mair- 
eannaich  aig  an  t-salmadair  fein  ?  Cha  'n 
'eil  dochas  na  beatha  maireaniiaich  anns  an 
t-seann  Tiomnadh  ach  mar  sholus  fann.  Cha 
robh  na  li-Iudhaich  am  beachd  gu  'n  robh 
spiorad  mhio  an  duine  a'  basachadh  an  uair 
a  dh'  fhagadh  an  anail  an  corp,  ach  cha 
robh  meas  mor  sam  bith  aca  air  an  staid 
anns  an  robh  an  spiorad  a'  dol  a  steacli. 
Thcireadh  iad  ri  ionad  comhnuidh  nam 
marbh  Sheol,  an  t-aite  fuar,  iomallach, 
dorcha  anns  an  robh  araon  an  t-aingidh  agus 
am  firean  air  an  tilgeadh  aig  uair  am  bais, 
aite  anns  nach  robh  obair  no  grian  no  solas, 
tir  dorchadais  mar  dhuibhre  sgail  a'  bhais, 
agus  as  eugmhais  gach  riaghailt,  agus  far 
a  bheil  an  solus  mar  dliorchadas.  lob  x.  22. 
B'  e  Sheol  tir  na  dichuimhne,  Cha  'n  'eil  fios 
ni  air  bith  aig  na  mairbh  agus  chaidh  as 
mar  an  ceudna  d'  an  gradli  agus  d'  am  fiiath 
agus  d' am  farmad.  Eccles.  ix.  5.  Ann  an 
Sheol  cha  robh  eadar  dhealachadh  eadar  am 
firean  's  an  f-aingidh;  cha  robh  an  t-ion- 
racan  a'  faotainn  duals  no  an  t-eucorach  a' 
fulang  peanais.  Ach  b' e  searbhadas  na  tire 
so  uile  gu  leir  nach  faicte  gnuis  Dhe  innte 
agus  nach  robh  co-cliomunn  tuilleadh  aca- 
san  a  I'achadli  a  steacli  do  staid  nam  marbh 
ri    Dia.     Anns    a'    bhas    cha  'n  'eil    cuimhne 


22 


oi't  a  Dlie,  ag-us  anus  an  Sheol  c6  bheir  cUiuit 
€liu..  Salm  vi.  5.  Gu  deimhin  cha  dean 
Sheol  luaidh  ort,  cha  chuir  iadsan  a  theid 
sios  do  'n  t-slochd  an  doigh  ann  a'd  fhirinn. 
Isaiah    xxxviii.    18. 

Ach  ged  bha  taobh  thall  na  h-uagha  air 
a  chuartachadh  le  ceo  is  dorchadas  do  na 
h-Iiidhaich  fad  iomadh  linn,  agus  ged  nach 
Tobh  iad  ag  altrum  an  dochais  a  tha  aig 
creidmhich  anns  na  laithean  so,  bha  an  solus 
&'  fas  uigh  ar  n-uigh  agus  rainig  euid 
dhiubh  air  earlais  de  'n  fhirinn  a  theagaisg 
Criosd  do  'n  t-saoghal,  an  uair  a  thug  e 
beath'  is  neo-bhasmhorachd  gu  solus  tre 
chumhachd  'aiseirigh.  Bha  cuid  de  na  seann 
naoimh  a'  gluasad  cho  dluth  ri  Dia  agus 
bha  faireachduinn  cho  beo  aca  air  lathair- 
eachd  Dhe  agus  air  na  solasan  a  bha  comp- 
anas  lehobhah  a'  dusgadh  'nan  anam,  's 
nach  robh  e  furasda  leo  a  chreidsinn  gu  'n 
tigeadh  an  la  anns  an  rachadh  an  co- 
chomunn  sin  a  bhriseadli.  Eha  faireach- 
duinn aca  air  lathaireachd  Dhe  anns  a' 
bheatha  so  nach  'eil  aig  moran  dhaoine  an 
diugh.  Co  a  th'  ag-am  anns  na  neamhan  ach 
thu,  agus  ann  an  coimeas  riut  cha  'n  'eil 
neach  air  thalamh  air  a  bheil  mo  dheigh  ? 
Salm  Ixxiii.  25.  Cia  luachmhor  leamsa  do 
smuaintean  a  Dhe;  'nuair  a  dhuisgeas  mi 
tha  mi  a  ghnath  maille  riut-sa.  Salm 
cxxxix.  18.  Aon  ni  ghuidh  mi  air  an  Tigh- 
earna,  a  bhi  a'm  chomhniudh  an  tigh  an 
Tighearna  re  uile  laithean  mo  bheatha,  chum 
gu  'm  faieinn  maise  an  Tighearna.  Salm 
xxvii.  4.  Bha  am  beatha  foluichte  ann  an 
Dia  agus  bha  a  bheatha  sin  cho  solasach 
leo  's  nach  diiraiclideadh  iad  gu  'n  tlg-eadh 
i  gu  crich.  B'  e  an  duraohd  sin  mathair  an 
creidimh  anns  a'  bheatha  mhaireannaich. 
Bha  a'  bheatha  a  bha  iad  a'  sealbhachadh 
cheana  ann  an  co-chomunn  ri  Dia  cho  laidir 
's  cho  solasach  's  gu  'n  robh  iad  fiosrach 
na,'h  faigheadh  am  bas  buaidh  oirre,  agus 
tha  an  salmadair  ag  radh  anns  an  t-salm  so 
gu'n  do  rinn  a  chridhe  g-airdeachas  agus  gu'n 
robh  flieoil  a'  gabhail  fois  ann  an  dochas 
a  chionn  gu  'm  b'  e  lehobhah  a  Thighearna, 
agus  nach  fagadh  e  'anam  ann  an  Sheol. 
C-red  bha  Sheol  a'  fosgladh  a  bheoil  chum  a 
shlugadh  suas,  bha  Dia  air  a  dheis  laimh 
agus  cha  dealaicheadh  e  ris.  Mar  sin  bha  e 
cinnteach  nach  b'  e  am  bas  a  chuibhrionn  ach 
gu  'm  faigheadh  e  beatha  is  tuilleadli  beatha, 
lanachd  na  beatha  a  tha  .sruthadh  o  lehobhah. 

Anns  an  t-salm  so  cha  'n  'eil  neo  -  bhas 
mhorachd  an  anma  air  a  theagasg  mar  fhir- 
inn a  dh'  flioillsich  Dia  do  'n  t-salmadair, 
ach  tlm  an  salmadair  o  fliiosrachadh  fein  air 
cumhaohd  beatha  Dhe  an  taobh  a  stigh  dheth 


a'  deananih  greim  air  an  dochas  mhor  sin; 
agus  tha  an  dochas  mar  reul-iuil  d'a  anam 
anns  an  dorchadas.  Gred  nach  'eil  e  ag  radh 
moran  mu  'n  bheatlia  a  ta  ri  teaehd  tha  e 
ag  altrum  dochais  nach  bi  cumhaohd  sam 
bith  aig  a'  bhas  thairis  air,  do  bhrigh  gu 
bheil  e  ann  an  dainih  cho  dluth  ri  Dia  agus 
gur  e  Dia  beatha  anma.  Cha  robh  an  dochas 
so  aig  a  luchd  duthcha  uile,  a  chionn  nach 
robh  am  fiosrachadh  ceudna  aca  a  bha  aige- 
san  air  lathaireachd  Dhe  is  cumhachd  Dhe 
'na  anam.  Na'n  rachadh  a'  oheist  a  chur  air, 
Carson  a  tha  thu  creidsinn  ann  am  beatha 
air  taobh  thall  na  h-uagha,  theireadh  e — Tha 
beatha  Dhe  annam  cheana,  agus  do  bhrigh 
gu  bheil  Dia  siorruidh  bidh  mo  chomunn-sa 
ris  siorruidh  mar  an  ceudna.  Is  e  beatha 
Dhe   annam  dochas   na  gloire. 

Chaidh  iomadh  bliadhna  agus  ginealach 
seachad  o  reusanaich  an  salmadair  ri  'anam 
fein  air  an  doigh  so,  ach  gied  tha  an  saoghal 
Criosduidh  uile  a'  gabhail  ris  an  fhirinn  a 
dh'  fhoillsich  Criosd  mu  'n  bheatha  mhair- 
eannaich, tha,  sinn  an  duil  nach  'eil  ni  sam 
bith  eile  a  bheir  do  dhaoine  dearbhachd 
air  neo-bhasmhorachd  an  anma  cho  cinnteach 
ris  an  fhiosracliadh  a  bh'  aig  an  t-salmadair. 
Is  aon  ni  e  gu  'n  cuireadh  daoine  an  aonta 
le'm  bilean  ri  creud  na  h-eaglais  agus  gu'n 
abradh  iad,  Tha  sinn  a'  creidsinn  anns  an 
aiseirigh  o  na  marbhaibh;  ach  is  ni  eile 
e  gu  'n  abradh  iad,  Tha  dearbhachd  againn 
nach  fag  e  ar  n-anam  anns  an  uaigh,  oir 
tha  Criosd  annainn,  dochas  na  gloire.  Faod- 
aidh  neach  creidsinn  ann  an  neo-bhasmhor- 
achd le  'inntinn  a  chionn  gu  'n  do 
theagaisgeadh  an  fhirinn  sin  dha  o  'oige, 
ach  creididli  e  ann  an  neo-bhasmhorachd  le 
'chridhe  'nuair  a  dh'  fhiosraicheas  e  cumh- 
achd na  beatha  maireannaich  ann  fein.  Tlia 
fior  chreidimh  anns  a'  bheatha  mhaireann- 
aich a'  toiseachadh  ann  an  anam  an  duine, 
an  uair  a  tha  e  air  a  blu'eith  a  ris  le 
cumhachd  an  spioraid  naoimh.  Cha  'n  aithne 
dha  a'  bheatha  mhaireannach  gus  am  fios- 
raicih  e  i;  ach  cho  luath  's  a  tha  a'  bheatha 
sin  a'  toiseachadh  air  rruth  'na  chuislean, 
tha  dochas  na  h-aiseirigh  ag  eirigh  gu  Ian 
dearbhachd.  Agus  air  an  laimli  eile,  ma 
tha  duine  aineolach  air  Dia  agus  as 
eug'inhais  na  beatha  spioradail  a  tha  foluichte 
ann,  ma  tha  a  chridhe  'e  a  dhochas  gu 
buileach  anns  an  t-saoghal  so,  agus  ma  's 
biadh  is  deoch  is  ceol  dha  na  nithean  a 
tha  aimsireil  is  faicsinneach,  cha  bhi  soisgeul 
na  h-aiseirigh  ach  mar  fhuaim  'na  chluasan. 
Ii^  e  Criosd  an  aiseirigh  agus  a'  bheatha  agus 
is  e  iadsan  anns  a  bheil  beatha  Chriosd  ag 
oibreachadh  cheana  aig  a  bheil  an  fhianuis 


23 


<iu  taobli  a  stigli  dliiubh  gu  blieil  iacl  neo- 
bhasmhor.  Tha  an  tomhas  beatha  a  fliuair 
iad  'na  earlais  dhaibh  air  an  lanachd  air 
an  ruig-  iad  fhathast.  Cha  ghabh  e  dearbh- 
adh  do  neach  sam  bith  le  argumaid  gu 
blieil  e  fein  neo  -  bhasmlior  mur  'eil  a' 
blieatha  mliaireannacli  air  a  gliiidan  clieana, 
aoh  ma  tha  a  bheatha  foluichte  maille  ri 
Criosd  ann  an  Dia  bidh  a'  clieart  dearbhachd 
aige  a  blia  aig  an  t-salmadair,  nach  'eil 
e  coniasacli  do  chumhaclid  Bam  bith  air  neamh 
no  air  thalamh  a  sgaradh  o  ghradh  is  co- 
chomunn   Dhe. 

So   doehas  ait   uau  anma  naomh 
O'n    Slanuighear    caomh    an    traths' 
A  thug-  an  Spiorad  dhaibh  maraoai 
Mar   sheul'    is   earlais    g-raidli. 

Gach   neach   'g   am   bheil   an  doehas   so 
'jSTa    chomliradh    is    'na   ghniomh 
Biodli  deigh  aig'  air  bhi  naomh  is  glan 
Ceart    amhail   a    bha    Criosd. 


LEABHAR    ESTEIR. 


Tha  an  leabliar  so  ag  innseadh  dhuinn 
mu  nithean  sonruichte  a  thaehair  ann  an 
rioghachd  Pliersia  an  uair  a  bha  ligh 
Ahasuerus  air  a'   chrun. 

Air  do  'n  righ  a  bhi  tri  bliadhna  &,' 
rioghachadh  rinn  e  fleadh,  an  toiseach  do 
mlraithean  na  duthoha  uile  agus  d'a 
sheirbhisich,  agus  an  deig-h  sin  do  mhuinntir 
Shusain.  Tha  e  coltach  gu  'n  do  rinn  e 
an  gnothuch  gu  rioghail,  oir  mhair  fleadh 
nan  iiaislean  sia  miosan,  agus  an  te  eile 
seachduin.  Bha  fion  rioghail  ann  am  pailteas, 
mar  a  thigeadh  do'n  righ,  agus  soithichean 
oir  chum  am  fion  61  asda.  Aig  deireadh  na 
cuirme,  'nuair  a  bha  cridhe  an  righ  subhach 
le  deocli  dh'  iarr  e  air  na  seachd  caillteau- 
aich  a  bha  a'  frithealadh  dha  Bhasti  a  tlioirt 
an  lathair  na  cuideaohd.  B'  e  Bhasti  a'  bhan- 
righ.  Bha  i  anabarrach  maiseach,  agus  bu 
mhaitli  le  Ahasuerus  gu  'm  faiceadli  na 
h-aoidhean  maise  a  mhnatlia  mar  chunnaic 
iad  elieana  oirdheirceas  a  thighe.  Acli  bha 
Bhasti  'na  boirionnach  beasaeh,  banail,  ag'us 
cUiiult  i  i  fein  a  noclidadh  do  'ii  ghraisg-. 
'Nuair  a  dh'  innis  na  caillteanaieh  so  do  'u 
righ  las  fearg  'na  chridhe.  ChuiV  e  a  teh'omh- 
airle  ri  daoine  glice,  ciod  a  bu  choir  dha 
a  dheanamh.  Tha  e  coltach  gu  'n  robh 
mnathan  aig  na  daoine  glice  iad  fein  agus  is 
e  a  chomhairle  a  thug  iad  air  an  jigh 
Bhasti  a  cliur  bhuaith  agus  te  eile  a 
ghabhail  'na  h-aite,  air  clior  's  nach  lean- 
adh    mnathan    na    duthclia  •  a    h-eiseimpleir 


's  nach  deanadh  iad  tair  air  am  fir.  Is  e 
so  a  rinneadh.  Chuireadh  fios  air  feadli  na 
duthclia  na  h-6ighean  a  bu  sgiamhaiclie  no 
each  a  chruinneachadh  gu  lucliairt  an  righ 
ann  an  Susan,  chum  's  gu  'n  taghadh  e 
asda  te  a  chuireadh  e  ann  an  aite  Bhasti. 
Luidh  a  sliuil  air  Ester,  ban-Iudhach  agus 
dilleachdan  a  thogadh  ann  an  tigh  Mhordecai 
bratliair  a  h-athar.  Dh'  iarr  Mordecai 
oirre  gun  innseadh  do  'n  righ  gu'm  bu  bhan- 
ludhaeh  i.  Fhuair  i  gean  maith  ann  an 
latliair  Ahasueruis  os  cionn  nan  oighean  uile 
aguB  chuir  e  an  erun  rioghail  air  a  ceann. 
Beagan  'na  dheigh  so  chuala  Mordecai  os 
iosal  gu  'n  robh  dithis  de  na  caillteanaieh 
a"  maoidheadh  lamli  a  chur  am  beatha  an 
rigli.  Thug  e  rabhadh  do  Ester,  thug  Ester 
rabhadh  do  'n  righ,  chaidli  na  caillteanaieh 
a  ehrochadh  agus  egiiobhadh  ann  an  leabhar 
eachdraidh  an  righ  gu  'n  do  tliearuiun  Mor- 
decai a  bheatha. 

Am  measg  seirbliisieh  an  righ  fhuair 
Haman  gean  maith  os  eionn  eliaich,  agus 
dh'  orduieli  Ahasuerus  gu  'n  deanadh  na 
seirbliisieh  eile  am  beic  dha.  Rinn  iad  so 
uile  acli  a  mliain  Mordecai.  Faodaidh  gu'n 
robh  seann  ghamhlas  eadar  an  dithis.  Bha 
fios  aig  Mordecai  gu  'n  robh  fuatli  aig 
Haman  do  na  h-Iudhaieh,  agus  mar  ludhach 
dileas  cha  liibadh  e  a  ghlun  do  neach  a 
bha  deanamh  tair  air  a  luchd  duthcha.  Chuir 
Haman  roimlie  gu  'n  euireadh  e  dubhan  ann 
an  srou  Mhordecai  agus  chomhairlieh  e  do  'n 
rigili;  a  h-uile  ludhach  a  bli'  anus  an  duthaich 
a  mliarbhadh  air  latha  sonruichte.  Chuir  e 
mar  fhiachaibh  air  Ahasuerus  nach  robh  e 
air  son  leas  a  riog-'hachd  sluagh  fhulaiig  nach 
I'obli  a'  coimhead  cleachdanna  na  duthclia, 
agus  aig  an  robh  laghanuan  air  letli  seach 
gach  sluagh.  Thug  an  righ  cead  do  Haman 
e  dheanamh  mar  b'  aill  leis,  agus  chuir 
Haman  a  maeh  gillean-ruithe  air  feadli  na 
tire  uile  ag  orducliadh  na  h-Iudiiaieh  a 
sgrios.  Bha  bron  mor  am  measg  nan 
ludhach  agus  trasg-adh  agus  gul  agus  caoidh. 
Dh'  innis  Mordecai  do  Ester  mu  'n  bliiiin 
a  chaidh  a  thoirt  a  maeh  an  aghaidh  la 
luchd  duthclia,  agus  dh'  iarr  e  oirre  tagradh 
lis  an  righ  as  an  leth.  Air  do  Ester  gean 
maith  fliaotainn  ann  an  suilean  an  righ  a 
lithist,  glieall  e  dhi  gu  'n  tugadh  e  dhi 
rud  sam  bith  a  dh'  iarradh  i  igu  ruig  leth  na 
rioghachd.  Rinn  Ester  cuirm  agus  dh'  iarr  i 
an  righ  is  Haman  'g  a  h-ionnsuidli.  Aig 
a'  chuirm,  an  lathair  Hamain,  thug  an  righ 
dhi  an  tairgse  a  rithist,  gu  'm  faigheadh  i 
a  li-iarrtus  gu  leth  na  rioghachd,  agus  a 
rithist  b'  e  iarrtivs  Esteir  gu  'n  tigeadh  e 
fein  is  Haman  gu  euirm  eile   am  maireaeh. 


24 


Bha  Haman  air  a  sJieideadh  suas  le  uabhar 
a  chionii  gu  'n  do  shuidh  e  aig  bord  maille  ri 
Aliasuerus  is  Ester,  ach  tlireig  subhachas 
a  chridli'  e  'nuair  nacli  do  rinu  Mordecai 
modh  dlia  anns  an  dol  seachad.  Dh'  innis 
e  d'a  mhnaoi  mar  dli'  eirich  dha  agus  chomh- 
airlich  i  dha  croicli  a  dheanamh  deas  air  son 
Mhordeeai.  Thaitinn  an  ni  ri  Haman  agus 
rinu  e  croieli  a  bha  leth  cheud  lamh-choille 
ail-  airde. 

An  oidhche  sin  theich  cadal  an  righ  uaith 
agus  dh'  iarr  e  air  a  luchd  frithealaidh  iad 
a  leughadh  dha  a  leabhar  eaohdraidh  pa 
rioghachd.  Thainig  am  fear  leughaidh 
thairis  air  ainm  Mhordeeai  agus  mar  thear- 
uinnebeatha  an  righ.  Dh' fheoraich  an  righ 
ciod  an  diiais  a  thugadh  do  Mhordeeai  air 
son  a  gliniomha,  agus  fhreagair  am  fear 
leughaidh  naeh  d'  fliuair  e  duais  sam  bith. 
'Nuair  a  thainig  Haman  an  lathair  an  righ 
's  a'  mhaduinn  thuirt  an  righ  ris — ciod  a 
nithear  do  'n  duine  air  an  toil  leis  an  righ 
urram  a  cliur?  Shaoil  Haman  feineil  gur 
e  e  fein  a  bh'  aig  an  righ  's  an  amharc, 
agus  dh'  ainmich  e  an  t-urram  a  b'  airde 
air  am  b'  urrainn  e  smuaineachadh .  Ach 
thuirt  an  righ  ris — Greas  ort,  racli  a  maeh 
ao-us  dean  mar  sin  do  Mhordeeai  oir  is  esan 
an  duine  air  an  toil  leis  an  righ  urram  a 
chur.  'Nuair  a  dh'  innis  Haman  so  d'a 
mhnaoi  's  a  ghearain  e  [an  tamailt  a  cliuir- 
eadh  air,  thuirt  i  ris  gu  'n  eireadh  na  bu 
mliiosa  dha  fhathast,  oir  ma  b'  ann  do 
shliochd  nan  ludhach  Mordecai  nach  buadh- 
aicheadh    e    'na    aghaidh. 

Chaidh  Haman  a  rithist  maille  ris  an 
righ  gu  fleadh  Esteir  mar  dh' iarr  i  air. 
Air  do  'n  righ  a  h-iarrtus  a  thairgsinn  dhi 
as  lir  eadhoin  gu  leth  na  rioghachd,  dh'  innis 
i  mil  'n  leir-sgrios  a  bhatar  a'  dol  a  dhean- 
amh air  a  luchd  duthcha  agus  dh'  iarr  i 
air  ceartas  a  thoirt  dhaibh.  Co  e  a's  mathair 
aobhair  do  'n  olc  so,  ars'  an  righ.  Hamau, 
ars'  Ester.  Las  corruich  an  righ  agus  chois- 
idlif  e  a  mach  as  an  t-seomar.  Ghabh  Haman 
an  t-eagal  agus  'nuair  a  dJi'  fhalbh  an  righ, 
thui,t  e  air  a  gluiuean  agus  rug  e  air  Ester 
ag-  asluchadh  trocair.  Air  do  'n  righ  tilleadh 
as:us  Haman  fhaicinn  anns  an  it-suidheachadh 
anns  an  robh  e  bhuail  e  'na  cheann  gu  'n 
robh  e  mi-mhodhail  ri  Ester  agus  dh'  iarr 
e  air  na  eaillteanaich  breith  air  agus  a 
chrochadh  ann  an  larach  nam  boiin.  Ghroch 
iad  e  air  a'  chroich  a  rinn  e  air  son  Mhor- 
deeai. Agus  chuir  an  righ  Mordecai  ^n 
aite    Hamain . 

Cha  ghabhadh  an  t-ordugli  a  ehuireadh 
a  mach  ann  an  ainm  an  righ  mu  sgrios  nan 
ludhach    toirt    air    ais     (oir    cha    ghabhadh 


laghannan  nam  Persach  's  nam  Medaeh  ath- 
arraehadh)  ach  chaidh  fios  a  chur  a  mach  a 
dh'  ionnsuidh  nan  ludhach  iad  'g  an  dion 
fein  mar  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn  dhaibh. 
Tha  e  coltach  gu  'n  do  rinn  iad  sin  le 
sgairt  oir  mharbh  iad  na  miltean  's  na 
miltean  de  mhuinntir  Phersia.  Agus  fhuair 
na  h-Iudhaich  fois  o  an  naimhdean,  thionnd- 
aidh  am  bron  gu  h-aoibhneas,  agus  an 
doilghios  gu  am  maith,  agus  dh'  ainmieh 
iad  na  laithean  sin  Purim  agus  shuidhich 
iad  gu  'm  biodh  iad  air  an  gleidheadh  naomh 
mar  cho-ainm  nan  laithean  anns  an  d'  fhuair 
iad  buaidh  air  na  naimhdean  a  dh'  iarr  an 
sgrios. 

Am  measg  nan  ludhach  bha  meas  mor  air 
an  leabhar  so  ach  cha  robh  e  riamh  ro 
phriseil  an  suilean  na  h-eaglais  Chriosduidh. 
Cha  bu  toigh  le  Luther  idir  e,  ag-us  bha  is  tha 
moran  dhiadhairean  de  'n  bheachd  nach  bu 
chall  mor  sam  bith  do  'n  Bhiobull  ged  nach 
robh  leabhar  Esteir  ann  idir.  Is  e  an  aon 
leabhar  anns  a'  Bhiobull  anns  nach  'eil  ainm 
Dhe  air  ainmeachadh  agus  faodar  a  radh 
nach  'eil  leabhar  anns  an  t-seann  Tiomnadh 
a  tha  cho  fada  air  falbh  ris  o  theagasg- 
"s  o  ispiorad  an  t-soisgeil.  Cha  'n  'eil  iomradh 
ann  air  crabhadh  no  irioslachd  no  diadh- 
aidheachd,  agus  cha  robh  ni  sam  bith  anns 
an  t-sealladh  aig  an  fhear  a  sgriobh  e  ach 
greadhnachas  saoghalta  nan  ludliach.  Tha 
aon  de  na  h-athraichean  ag  radh  gu  bheil 
uiread  eadar-dhealaehaidh  eadar  leabhraich- 
ean  eile  an  t-seann  Tiomnaidh  is  leabhar 
Esteir  's  a  tha  eadar  neamh  is  talamh.  Ach 
air  a  shon  sin  tha  'aite  fein  aig  an  leabhar 
so  anns  a'  Bhiobull,  agus  tha  e  feumail  a 
chionn  gu  bheil  e  a'  toirt  iomraidh  air  pairt 
de  dh'  eachdraidh  nan  ludhaeh  a  bhiodh  air 
chall  as  eugmhais.  A  reir  coltais,  chaidh  an 
leabhar  a  sgriobhadh  chum  rabhadh  a  thoirt 
do  na  h-Iudhaich  gun  dearmad'  a  dheanamh 
air  an  Fheill  a  tha  air  a  h-ainmeachadh 
ann  agus  a  bha  air  a  ceimhead  le  'n 
athraichean  mar  chuimhneachan  air  a- 
bhuaidh  a  fhuair  iad  ann  an  laithean 
Ahasueruis.  Ach  g-ed  is  e  so  an  t-aobhar 
airson  an  deachaidh  an  leabhar  a  sgriobhadh, 
faodar  fhoghlum  uaith  gu  bheil  Dia  a'  gabh- 
ail  curaim  d'a  shluagh  taghta  fein.  'Na 
fhreasdal  glic  is  cumhachdach  uisnichidh  e 
ruint«an  olc  is  gamhlas  dliroch  dhaoine  chum 
a  thoil  mhaith  a  choimhiionadh .  Is  e  an 
leasan  sonruichte  a  tha  leabhar  Esteir  a' 
teagasg,  nach  teid  aig  daoine  air  eron  sam 
bith  a  dheanamh  air  an  duine  air  an  toil 
le  Dia  urram  a  chur,  agus  gu  bheil  gach 
ni  anns  an  t-saoghal  ag  oibreachadh  chum 
maith  a  shluaigh. 


.4 


Air  7. 


1911. 


TEARMUNN   A;    CHEEIDMHICH. 


Ati  uair  a  shiubhlas  tu  Iroimh  na  h-uiigeachan,  hidh 
mise  niaille  riut ;  agus  troimh  na  h-aibhnichean,  cha  tig 
iad  tharad ;  an  uair  a  dh'  imicheas  tu  Iroimh  an  teine 
cha  loisgear  thu. — Isaiah  xliii.  2. 

Labliair  am  faidh  na  briatliran  so  chum 
misneach  a  tlioirt  do  shluagh  Israeli  an  uair 
a  bha  iad  ann  am  braig-hdeanas  ann  fim 
Babilon.  Bha  freasdal  Dhe  a'  gluasad  ann 
an  doighean  diomhair  agus  bha  cuisean  aig 
an  am  cho  dorcha  's  gu  'n  do  thuit  iad  ann 
an  diobliail  misnich,  's  gu  'n  do  thoisich  iad 
air  a  radh.  "  Tlia  mo  shlighe  foluichte  o'n 
Tighearna,  tha  mo  choir  air  a  leigeadh  air 
dearmad  le  moDia."  Isaiah  xl.  27.  Air  gach 
taobh  bha  iad  a'  faicinn  cunihachd  Bhabiloin 
agus  g-ach  latha  bha  iad  a'  faireachduinn 
cudthrom  lamh  an  fhir-sharuchaidh  gus  mu 
dheireadh  an  do  luidh  dubh-bhron  air  an 
eridhe  agus  an  do  chaill  iad  an  dochas  gu'n 
saoradh  Dia  iad  as  an  tir  choimhich  ud. 
B"e  sin  an  suidheachadh  truagh  ann.s  an  robh 
sluagh  Israeil  an  uair  a  liubhair  am  faidh  an 
sgeul  aoibhneach  so  dhaibh  agus  is  e  suim 
a    theachdaireachd — 

Ur-mhisneaoh  glacaibh,  'naoinih  gun  treoir 

Na  neoil  is  diiircli'  tha  Ikn 

De  throcair  ohaoimh  is  doirtear  leo 

Oirbh  maitheas  mor  gun  dill. 

Tha  e  lag-  innseadli  dhaibh  gu  bheil  an  t-am 
dluth  anns  am  faig-h  iad  saor,sa  o  chuing  an 
luohd-saruchaidh  do  bhrigh  gu'n  do  thionnd- 
aidh  an  Tighearn  a  chorruich  air  falbh  uapa. 
Ged  a  ^^heacaich  Israel  an  aghaidh  an  Tigh- 
earna cha  do  ghleidh  esan  a  chorruich  gu 
siorruidh  do  bhrigh  gu  'm  bu  toigh  leis  troc- 
air.  Bha  am  faidh  cinnteach  gu'm  b'e  eeann- 
airc  a  luchd  duthcha  an  ag-haidh  lagh  |a,n 
Tighearn  a  b'  aobhar  do  na  trioblaidean  's 
na  truaighean  a  thainig  orra,  ach  air  dha 
combarran  na  h-aimsir  a  leughadh,  tha  e  ag 
radh  riu  gu  bheil  laithean  an  smaohdachaidli 
a  nis  seachad,  ag-us  gu  bheil  aghaidh  {in 
Tighearn  air  a  tionudadh  orra  ann  an 
caoimhneas  is  sitli  air  chor  agus  nach  ruig 
iad  a  leas  a  bhi  fo  eagal — "  An  viair  ja 
shiublilas  sibh  troimh  na  h-aibhnichean  cha 
tig  iad  thairis  oirbh;  an  uair  a  dh'  imicheas 
sibh  troimh  an  teine  cha  loisgear  sibh  agus 
cha  dean  an  lasair  greim  oirbh."  Anns  an 
t-seann  Tiomnadh  tha  teine  is  uisge  air  an 
gabhail  gu  bitheanta  mar  shamhladh  air 
cunnartan  is  trioblaidean  na  beatha  so.  Ann 
an  aon  aite  tha  an  salmadair  ag  radh  "chaidh 
do  stuaidhean  agus  do  thonnan  tharum,"  ag-us 
ann  an  aite  eile,  tha  g  ag  radh  "chaidh  sinn 


ti'oinih  theine  agus  troimh  uisge,"  agus  is  e 
a  bha  e  a'  eiallachadh  leis  an  doigh  bruidhne 
sin,  na  h-amhghairean  's  na  gabhaidhean  a 
thachair  ris  air  a  thurus.  Faodar  mafa  an 
teine  's  an  t-uisge  air  a  Bheil  am  faidh  a' 
labhairt  anns  a'  chaibideal  so  a  ghabhail 
anns  an  t-seadh  a's  farsuinge  agus  na  briatli- 
ran a  g-habhail  mar  ghealladh  priseil  a  thug- 
Dia,  cha  'n  ann  do  chloinn  Israeil  a  mhain 
ach  d'a  shluagh  anns  an  la  an  diugli,  gu'm 
bi  e  maille  riu  anus  g-ach  teinn. 

I.  Cha  'n  'eil  am  Biobull  a'  teagasg  gu'u 
seachain  duileadasan  is  trioblaidean  an 
t-saog-hail  sluagh  an  Tighearna  mar  nach 
seachain  iad  daoine  eile.  Bha  salmadairean  is 
athraichean  Israeil  am  beachd  gu  bheil  am 
firean  a'  faotainn  tuilleadh  's  a  roinn  fein  de 
thrioblaidean  na  beatha,  agus  bha  iad  a' 
tigh'nn  thairis  gun  sgur  air  diomhaireachd 
freasdal  an  Tiglliearn,  ann  a  hhi  toirt  searbh- 
adas  anma  d'a  shluagh  am  feadli  's  a  bha 
e  a'  toirt  sith  is  suaimhneas  do  na  h-aingidh. 
Theap  am  fear  a  sgriobh  Salm  Ixxiii.  la 
chreidimh  a  chall  an  uair  a  bheachd- 
smuainich  e  air  cor  nan  aingidh  an  coimeas 
ri  cor  na  feadhnach  a  bha  glan  nan  eridhe. 
Slieall  e  mu  'n  cuairt  air  ag-us  chunnaic  e, 
air  an  dara  laimh,  "  nach  'eil  na  h-aingidh 
air  an  saruchadh  mar  dhaoin  eile,  tha  iad  a' 
soirbheachadli  anns  an  t-saoghal,  a'  faotainn 
miann  an  eridhe,"  agus  chunnaic  e,  air  an 
laimh  eile,  "  gai  bheil  am  firean  air  a  bhual- 
adh  g-ach  la  agus  air  a  smachdachadh  gach 
maduinn."  Ged  bha  so  'na  chnap-starra  do'n 
t-salniadair,  cha  'n  'eil  e  a'  ciu-  drag-h  air 
inntinn  chreidmheach  an  diug-li  oir  tlia  iad  a' 
tuigsinn  freasdal  Dhe  na's  fhearr  no  thuig 
esan  e,  agus  tha  iad  a'  faicinn  gu  bheil 
Dia  a'  riaghladh  an  t-saoghail  le  laghannan 
seasmhach  nach  'eil  ag  amharc  air  pears- 
aibh  seach  a  cheile  agus  aig  nach  'eil  claon 
bhaigh  ri  aon  neach  seach  ueach  eile.  Tliig 
bron  is  bochdainn  is  trioblaid  is  bas  g-u 
dorus  an  fhirein  cho  "cinnteach  's  a  thig  iad 
gudorus  an  aingidh,  agus  a  thaobh  trioblaid- 
ean coitchionn  na  beatha  so  tha  clann  nan 
daoine  a'  faotainn  an  cuibhrinn  fein,  ico 
dhiu  a  tha  iad  boclid  no  beairteach,  no  co 
dhiu  a  tha  iad  g-lan  no  salacli  'nan  eridhe. 

II.  Ach  ged  nach  saor  Dia  a  shluagh  o 
thrioblaidean  air  a  bheil  na  h-uile  'nan  oigh- 
reachan  tha  e  a'  toirt  geallaidh  dhaibh  gu'm 
bi  e  maille  riu  ann  an  la  an  deuchainn  air 
chor  's  nach  eirich  olc  dhaibh.  Ged  bheucas 
na  h-uisgeachan  's  a  eheideas  an'doinionn  cha 
teid  na  tuiltean  thairis  orra  oir  ni  aiua'eal  a 


26 


lathaireachd-san  an  tearnadh.  'Nau  uile 
amhghairean  tha  esan  a'  fvilang  maille  riu 
agus  bheir  oo-fhaireachduinn  an  Athar 
neamhaidh  comhfliurtachd  is  solas  d'an  anam. 
'Nuair  a  (fcliainig  losa  gu  crioch  a  tliuruis  air 
thalamli  's  a  Taha  cuisean  cho  dorcha  's  a 
ghabhadli  iad  a  bhitli  's  a  dh'  fhag  na  deisc- 
iobujil  e  gTis  an  t-slig-he  gu  Calbhari  a  ghabh- 
ail  'na  aonar,  thuirt  e  riu,  "  Tha  'n  uair  air 
teaclid  anns  am  fag  sibh  mise  a'm  aonar," 
gidheadh,  ars'  esan  leis  an  ath  anail,  "cha  'n 
'eil  mi  a'm  aonar  oir  feuch  tha  'n  t-Athair 
maille  rium."  Anns  an  aon  fhacal  sin  thilg  e 
solus  air  cursa  a  bheatha  gu  leir.  B'e  an 
fhaireachduinn  a  bha  aige  a  g-hnath  air 
lathaireachd  Dhe  an  tobar  as  an  do  tharr- 
uirUg*  e  sith  is  misneach  am  measg  doilghiosan 
an  t-saoghal.  Chaidh  e  troimh  uisge  's  troimh 
theine  chum  'obair  a  chriochnacliadh,  ach 
eadhoin  ann  an  Getsemane  fhuair  e  buaidh 
air  an  t-saoghal  a  ehionn  gu'n  robh  e  cinnt- 
eacli  gTi'n  robh  Dia  maille  ris.  Is  e  lathair- 
eachd Dhe  acair  an  anma  an  uair  a  bhios 
feoil  is  cridhe  nan  creidmheach  a'  failneach- 
adh.  Is  ann  uaith-san  a  gheibh  iad  faigliidin 
gu  bhi  samhach  an  uair  a  g-hairmeas  doimhn' 
air  doimhnp  's  a  theid  na  tounan  thairisorra. 
A  ehionn  gu  bheil  iad  eolach  air  a  cliaomh 
throcair  's  air  a  chaoimhneas  graidh,  cuiridh 
iad  an  earbs  ann  eadhoin  'nuair  a  threor- 
aicheas  e  iad  air  slighe  chruaidh  dhorcha. 
Ann  an  la  an  teinn  gairmidh  iad  air  Dia, 
agus  iadsan  a  dJi'  fheitheas  air  an  Tighearna, 
ath-nuadhaicMdh  iad  an  neart.  Ged  nach 
trie  le  Satan  an  fhirinn  innseadh  dh'  amais  e 
oirre  an  uair  a  thuirt  e  ris  an  Tig-hear  na, 
"Nach  do  chuir  thu  garadh  mu'n  cuairt  air 
lob."  Tha  Dia  a'  cur  garaidh  mu'n  cuairt 
air  a   sheirbhisich   uile. 

Ceart  mar  a  ta  na  beanntan  mor 
Timchioll  lerusaleim, 
Mar  sin  tha  Dia  a  nis  's  gu  sior 
Timchioll  a  phobuill  fein. 

Cha  'n  ann  aon  uair  ach  mile  uair  a  tha  'n 
fhirinn  so  air  a  cur  sis  'na  Phacal  naomh 
agus  ma  chailleas  a  shluagh  am  misneach, 
cha  n  ann  a  ehionn  nach  'eil  geallaidhean 
ann  am  Faeal  an  Tighearn  air  am  faodadh 
iad  an  taic  a  leigeil.  O  mhile  beul  ann  an 
ooisir  bhinn  nan  neamh  tlia  an  sgeul  aoibhn- 
each  a'  teachd — "An  uair  a  theid  thu  troimh 
na  h-uisgeachan  bidh  mise  maille  riut  agus 
troimh  na  h-aibhnichean  cha  tig  iad  thairis 
ort." 

III.  Cha  'n  'eil  e  air  uairean  furasd  a 
thiugsinn  ciamar  a  ghabhas  ar  call  a  dhean- 
amh  suas  no  ar  cridlieachan  a  leigheas  no 
ciamar  a's  m'rainn  gradh  is  caomhalachd 
Dhe  a  bhi  air  cul  f reasdal  searbh,  ach  is 
e   ar   gliocas   a    bhi   samhach   is    faighidinn- 


each  a  ehionn  gur  esan  Dia.  Oibrichidh 
faighidin  dearbhadh,  agus  dearbhadhdochas; 
agtis  iadsan  a  chuireas  an  dochas  a  ghnath 
ann  an  Dia,  ath-nuadhaichidh  iad  an  oige 
's  an  neart.  Eadar  am  breith  's  am  bas 
tachraidh  bron  is  trioblaid  is  deuchainnean 
air  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  a  bhris- 
eadh  an  cridhe  's  a  dh'  fhagadh  iad  gu 
breoite  truagh  mur  b'e  gu  bheil  Lighiche 
caomhal  dluth  dhaibh  a  tha  ag  oibreachadh 
gun  sgur  le  feartan  diomhair  a  ghrais. 
Ann  an  doighean  nach  aithne  dhaibh  tha  an 
Tighearn  ag  urachadJi  am  misneach  's  an 
neart  agus  a'  cur  togar  'nan  cridhe  is  oran 
molaidh  'nam  beul  ged  a  shaoil  iad  p,on 
uair  nach  tilgeadh  iad  dhiubh  an  sac-eudach 
's  an  luaithre  gu  brath  tuilleadh.  Carson, 
mata,  a  tha  thu  air  do  thilgeadh  sios  0  m' 
anam?  Tabhair  suas  do  shlighe  do  Dhia 
agus  gheibh  thu  fasg-adh  fo  sgail  an  Uile- 
chxmihachdaich.  Cha  bhi  eagal  orm  anns 
an  dorchadas  oir  bidh  an  Tighearna  'na 
sholus  dliomh  aarus  treoraichidli  e  mo  cheum. 


EALAIN  NA  SLUASAID. 

Faodaidh  sinn  an  t-ainm  so  a  thoirt  air 
obair  nan  daoine  sin  a  bhios  a'  rurachadh 
sheann  laraichean  is  dhunan  feuch  ciod  an 
treathlaich  a  thachras  riu.  Cha  'n  ann  air 
sgath  an  slainte  no  air  ghaol  gu  'm  .■  faigh 
iad  poit  chreadha  Ian  de  dh'  or  a  bhios  an 
seorsa  so  a'  ruamhar  leis  an  t-sluasaid,'  ach 
air  g-haol  fiosrachadh  fhaotainn  mu  na  linnt- 
ea^  a  (jlh'  fhalbh.  Tha  e  aii-  a  riadh  le  daoine 
glice  gu  bheil  an  Fhirinn  shios  ann  lan 
grunnd  tobair,  agus  ma's  fior  an  radh  sin, 
ciod  an  inneal  a's  freagarraiche  gu  ruigh- 
inn  oirre  no  sluasaid? 

Ceart  mar  a  tha  an  gloir  fein  aig  grian 
is  gealach,  tha  a'  ghloir  fein  aig  gach  fear- 
ceaird  a  tha  ag  obair  air  Teampull  na  Fir- 
inn.  Tha  .na  miltean  bliadhna  o  thoisich  an 
cinneadh  daonna  air  an  teampidl  sin  a 
thog-ail  ach  fhathast  cha  'n  'eil  e  criochn- 
aichte.  Tha  gach  linn  a'  cur  sreath  air  na 
ballachan  agus  an  sin  a'  deanamh  aite  do 
linn  eile;  agus  is  leoir  an  t-urram;  e  do  neach 
sam  bith  gu  'n  cuireadh  e  aon  chlach  anns 
an  togail.  Tha  aon  giiloir  aig  an  fhear  a 
leageas  bunait,  is  gloir  eile  aig  an  fhear 
a  shnaigheas  clach  oisein,  is  gloir  eile  aig  an 
fhear  a  ni  puist  riomhach,  ach  saoilidh  sinn 
gu  bheil  gloir  a  tha  toirt  barrachd  aig  luchd 
na  sluasaid.  As  eug-mhais  an  saothrach-san 
cha  bhiodh  clachan  aig  each  air  an  cuireadh 
iad  snas.  Ged  a  bhithear  gu  bitheanta  a' 
labhairt  mu  bhodach  na  sluasaid  mar  dhuine 
aig  a  bheil  seillean  'na  bhoinneid,  cha  'n 
'eil  neach  eile  a's  motlia  a  chuir  comain  no  e 
air  daoine  ciallach  aig-  a  bheil  gaol  air  eolas 


I 


J 


27 


is  firinn.  Faodaidli  gn  'n  abair  feallsanaich 
bhriathrach  a  shuidheas  aig  taobh  an  teine 
aun  an  catliair  da-laimbe  a'  sniomli  bheachdan 
faoine  a  mac-meamna  an  inntinn  mar  p, 
shniomhas  am  figheadair  an  snath  as  a'  bhalg- 
naeh  'eil  anns  a'  bhodach  ach  fear  gearr- 
aidh-fiodlia  is  fear  tarruing-uisge  an  coimeas 
riu-san.  Ach  am  feadh  's  a  tha  iadsan 
a'  dorchachadh  comhairle  le  briathran  gun 
eolas  agus  a'  cur  tuainealaich  'nan  ceann 
fein  's  an  ceann  dhaoin  eile  le  facail  atmhor 
gTin  bhun  gim  bharr,  glacaidh  am  bodach 
a  shluasaid  agus  gu  reidh  faig-hidinneach 
bheir  e  air  cladh,  's  air  dunan,  's  air  seann 
laraichean,  's  air  uaimh,  's  air  creagan  an 
eachdraidh  innseadh  dha.  Bheir  e  am  follais 
nithean  a  bha  folaichte  o  chionn  nan  ceudan 
bliadhna,  agus  uigh  ar  n-uigh  cuiridh  e  fuil 
is  feoil  air  na  cnamhan  tioram  gus  an  toir 
e  na  linntean,  's  na  daoine,  's  na  beathaich- 
ean  a  bha  aon  uair  ann,  ach  a  shiubhal  air 
falbh,  m'  ar  eoinneamh  cho  soilleir  ris  an 
rud  a  tha  sgriobhta  le  peann  is  dubh.  Cha 
'n  'eil  cearn  de'n  t-saoghal  air  nach  do  rainig 
am  bodach  so,  no  anns  nach  cluinnear  gliong 
a  shluasaid.  Cha  'n  'eil  tamli  a'  dol  air,  's 
cha  'n  aithne  dha  sgitheas  no  leisg.  Anns  na 
h-Innsean  an  Ear,  ann  an  Assiria,  anns  an 
Eiphit,  ann  an  Jerusalem,  anns  an  Aithne, 
anns  an  Eoimh,  an  Crete,  an  Ephesus,  's  an 
Antioch,  chithear  e  a'  ruamhar  an  talanta 
cho  dichiollaoh  ri  famh-thalmhainn,  an  toir 
air  seann  treathlaich  is  gibeagan  is  gideamas 
a  chuireas  solus  dha  air  beatha  ~'s  (air  cleachd- 
anna  nan  linntean  a  dli'  fhalbh.  Is  coingeis 
leis  ciod  a  thachras  ris;  sgonn  de  chnaimh, 
no  stiall  de  phaipeir,  no  bonn  airgid,  no 
cluas  crogain,  no  cas  poite,  no  criomau  adh- 
airc — tilgidh  e  iad  uile  'na  mhaileid  chum 
an  ceasnachadh  air  a  shocair  an  iieigh 
laimhe.  Agus  is  e  sin  na  fianuisean  nach 
■dean  breug!  Do  neach  a  thuigeas  an  cainnt 
cuiridh  lan-an-diiirn  dhiubh  solus  air 
beatha  is  gnaths  is  laghannan  rioghachdan 
air  nach  'eil  sgeul  an  diugh,  agus  air  a.m 
bitheamaid  aineolach  gu  tur  mur  bitheadh 
am  bodach  's  a  shluasaid.  Anns  na  seann 
.sgeulachdan  cluinnear  iomradh  air  slachdan- 
draoidheachd  a  dhuisgeadli  as  an  suain 
daoine  a  bha  fo  gheasaibh,  ach  anns  an  la 
an  diugh  is  e  an  t-ord  's  an  t-sluasaid  na 
slachdain-draoidheachd  a  dhuisgeas  an  seann 
saoghal    a    marbhantachd    na    dichuimhne. 

Ach  tha  'n  t-am  ag-ainn  innseadh  ciod  a 
thug  oirnn  tarruing  a  thoirt  air  a'  chuspair 
so.  Bha  sinn  a'  leughadh  leabhair  o  chionn 
ghoirid  anns  a  bheil  an  t-ughdar  a'  feuch- 
ainn  ris  a'  cheisd  a  fhreagairt — Ciod  B 
aireamh  nan  Criosduidhean  anns  an  Roimh 
anns  a'  cheatliramh  linn?   Ma  bha  an  eaaiais 


anus  an  linn  sin  a'  gleidheadh  leabhraich- 
ean  anns  an  robh  ainmeannan  an  luchd 
comanachaidh  air  an  cumail  mar  tha  iad 
air  an  cumail  le  cleireach  an  t-seisein  an 
diugh,  cha  ghabh  iad  faotainn  a  nis,  p,ir 
chor  's  naeh  'eil  iadsan  a  bhruidhneas  mu 
aireamh  nan  creidmheach  anns  na  laithean 
sin  ach  a'  labhairt  mu  thuaiream.  Tha 
Gibbon  ag  radh  gu  'm  b'e  aireamh  an 
t-sluaigh  ann  an  iompaireachd  na  Roimhe 
uile  gu  leir,  sia  fichead  muilean.  Tha  e  ag 
radh  gu  'n  robh  duine  's  an  fhichead  dhiubh 
sin  ag  aideachadh  a'  chreidimh  Ghriosduidh 
air  chor  's  gu  'm  b'e  aireamh  nan  creid- 
mheach, a  reir  a  bheachd-san,  letli  cheud 
mile  ann  am  baile  na  Eoimhe,  agus  sia 
muilean  anns  an  iompaireachd  uile.  Tha 
moran  de  luchd  eachdraidh  a'  gabhail  facal 
Ghibboin  mar  shoisgeul  ach  cha  'n  'eil  an 
t-ughdar  a  sgriobh  an  leabhar  air  an  d' 
thug-  mi  cheana  iomradh  idir  toiliehte  leis, 
ag^us  tha  e  a'  feuchainn  ri  dheanamli  a  mach 
gu  'n  rolbh  na  Criosduidhean  na  bu  liou- 
mhoire  no  tha  an  luchd-eachdraidh  am 
beachd.  Agus  ann  a  bhi  dearbhadh  a 
phuinge  tha  e  a'  cur  cudthrom  mor  air  an 
arg-umaid  ris  am  faod  sinn  a  radh,  argumaid 
na  sluasaid. 

Lc  argumaid  na  sluasaid  tha  sinn  a'  ciall- 
achadli  an  solus  a  tha  na  seann  aitean-adhlaic 
anns  an  Eoimh  a'  tilg-eadh  air  aireamh  nan 
Criosduidhean.  Theirear  ris  na  h-aitean- 
adhlaie  sin  anns  a'  Bheurla,  catacoms.  Tha 
iad  air  an  gearradh  as  na  creag-an  fo'n 
talamh,  coltach  ris  na  rathaidean  caola  cumli- 
ann  sin  a  thithear  a'  g-earradh  anns  na  cnuic 
airson  an  eich  iaruinn.  Dh'  amais  de  na 
catacoms  sin  air  bodach  na  sluasaid  cheana, 
agus  tha  e  ag  innseadh  dJiuinn  gu  bheil  iad 
ceithir  cheud  mile  air  fad,  na'n  robh  iad 
air  an  cur  ceann  ri  ceann.  Bha  e  'na 
chleachdadh  aig  na  Cinnich  anns  an  Roimh 
na  mairbh  a  losgadh,  ach  cha  bu  toigh  leis 
na  Criosduidhean  an  doigh  sin  ag-us  fhuair 
iad  cead  am  mairbh  a  thiodhlacadh  ann 
an  seomraichean  caola  fo'n  talamh,  cho 
domhain  's  gu  'm  faodadh  am  beo  eoiseachd 
OS  an  eionn  gun  fios  ciod  a  bha  fo  chois. 
Thoisich  iad  air  tiodhlacadh  anns  na  seom- 
raichean sin  mu  'n  bhliadhna  72  agais  sguir 
iad  mu  'n  bhliadhna  410,  'n  uair  a  thilg 
na  Grothaich  baile  mor  na  Eoimlie  gu  lar. 
Tha  cuid  de  na  seomraichean  beag-  is 
cuid  dhiubh  mor;  tha  cuid  dhiubh  cho  ard 
's  g-u  bheil  cuig  sreathan  de  chuirp  air 
an  cur  os  cionn  a  cheile  anns  na  ballachan, 
a  tholl  fein  aig  gach  marbh,  dealaiohte  o 
chach.  Ged  nach  'eil  e  furasda  na  mairbh 
a  tha  anns  na  Catacoms  a  chunntas,  (:lh' 
fheuch    bodach    na    sluasaid    r'a    dheanamh, 


28 


agus  is  arm  air  a'  chimntas  a  rinn  psan 
orra  a  bha  an  t-uglidar  eile  a  steidheachadh 
'arg-umaid,  agus  a'  deanamli  a  maeli  gu  'n 
robh  na  Criosdiiidliean  na  bu  lionmhoire  no 
bha  Gibbon  am  beachd.  Bha  an  argumaid 
a'   dol  mar  so: — 

(1)  Cha  robh  air  an  tiodhlacadh  anns  na 
catacoms    ach    Criosduidhean. 

(2)  Cha  'n  'eil  air  an  tiodhlacadh  annta 
ach  deich  ginealan,  no  aig  a'  chuid  a's 
motha    aona    gineal    deug. 

(3)  Tha  da  mhuilean  corp  annta  co  dhiu, 
agus  tha  cuid  de  dhaoine  am  beachd  gu  bheil 
ceithir    muilean. 

(4)  A'  gabhail  na  h-aireamh  a's  lugha, 
da  mhuilean,  bheir  sin  dhuinn  d&.  cheud 
Criosduidh  anns  an  Eoimh,  a'  gabhail  nan 
ginealan  thar  a  cheile,  an  aite  leth  cheud 
mar  tha  Gibbon  ag  radh. 

Clia  ruig  sinn  a  leas  an  rud  a  leantuinn  na's 
fhaide,  ach  faodaidh  sinn  a  radh  gau- 
e  an  eo  -  dhunadh  a  thainig  e  thuige, 
gu  'n  robh  Gibbon  fad  air  seacharan 
agus  nach  b'e  duine  'san  fhichead  a 
bha  ag  aideachadh  a'  chreidimh  Chriosduidh 
anns  an  Eoimh  anns  a'  cheathramh  linn  ach 
duine  's  an  tri.  Co  dhiu  a  tha  e  cearr  no 
ceart,  is  ann  o  bhodach  na  sluasaid  a  fhuair 
e   an   argumaid. 

Cha  'n  'eil  na  catacoms  idir  eu-coltach  ri 
toill  choineannan.  Tha  iad  a'  ruitli  os  cionn 
a  cheile  is  tarsuinn  air  a  cheile  agus  na'n 
cailleadh  tu  do  rathad  anns  na  feadhainn  a's 
motha,  cha  bhiodli  aun  ach  fior  thuiteamas 
gu 'n  tigeadh  tu  asda  beo.  Bhiodh  pa 
Criosduidhean,  an  am  na  geur  leanmhuinn  a 
bha  lompairean  na  Roimhe  a'  deanamh  orra, 
a'  cruinneachadh  anns  na  seomraichean  sin 
fo'n  talamh  chum  aoradh  a  dheanamh  do 
Dhia  an  uaigneas.  An  uair  a  thaom  pia 
Gothaich  bhorb  a  steach  do'n  Eoimh  's  a 
leag  iad  an  lamhan  air  gach  seorsa  cobh- 
artaieh  a  thachair  riu,  mhill  is  bhris  iad 
moran  de  na  Catacoms  an  duil  gu  'm  faigh- 
eaclh  iad  ionmhas  foluichte.  Cha  robh 
adhlacadh  air  a  dheanamh  annta  tuilleadh; 
bha  iad  dorcha  fas,  air  an  dichuimhneach- 
adh  mar  nach  robh  iad  riamh  anu,  gus  an 
cuala  bodach  na  sluasaid  iomradh  orra  's 
an  do  thoisich  e  air  ruamhar  anns  na  toill. 
Ged  their  cuid  de  dhaoine  nach  'eil  anns  a' 
bhodach  ach  an  daor  Ghothach  e  fein,  cha 
dean  e  cron  sam  bith  air  na  mairbh  agus 
cha  'n  e  gaol  an  airgid  a  tha  toirt  air  ip, 
bhi   rurachadh  ach  gaol  an  eolais. 

Tha  moran  eolais  r'a  fhaotainn  o  na  seom- 
raichean sin  niu  bheatha  's  mu  chreidindi 
's  mu  chleachdauna  na  h-eagiais  Chriosd- 
uidh ann  an  toiseach  a  h-eachdraidh.  Tha 
na    dealbhan    a    th'    air    an    tarruing    's    na 


briathran  a  th'  air  an  sgriobhadh  os  cionn 
nam  marbh  a'  nochdadh  dhuinn  nam 
beachdan  a  bha  aig  creidmhich  an  la  sin  's 
an  dochas  a  bha  iad  as"  altrum  ri  ag-haidh 
a'  bhais.  Cha  b'  ann  air  dorchadas  a' 
bhais  a  bha  iad  a'  smuaineachadh  ach  air 
solus  na  h-aiseirigii  agus  cha  b'  ann  mar 
Bhreitheamh  a  bha  iad  a'  smuaineachadh 
air  Criosd  ach  mar  Shlanuighear,  Ian  caomh- 
alachd  is  truacantais.  Bha  iad  mar  dhaoine 
a  fhuair  sgeul  aoibhneach,  aig  an  robh 
dochas  cinnteacli  is  gairdeachas  do-labhairt. 
Cha  b'e  claiginn,  is  cnamhan,  is  eligean 
tomhais,  is  clarsaichean  briste,  is  uamhais 
eile  de'n  t-seorsa  sin  a  bha  iad  a'  cur  air 
leacan  nam  marbh  mar  bhiddh  na  linntean 
a  thainig  'nan  deigli  a'  deanaitih,  ach  flur- 
aichean,  is  fion-dhearcan,  is  duilleagan  uaine, 
is  calumain,  is  pailm  na  buadha,  is  uain. 
Cha  b'e  duaichnidheachd  ach  caomhalachd 
a'  bhais  a  bha  'nan  inntinn.  Is  e  an  dealbh 
a's  bitheanta  a  chithear  annta,  am  Buachaille 
maith  le  uan  no  caora  air  a  ghualainn. 
Air  uairean,  cha  'n  e  uan  a  tha  e  a'  giulan 
ach  meann  g-aibhre.  Nach  faodar  a  radh 
gu  'n  robh  na  creidmhich  chneasd  ud  a'  ciall- 
achadh  leis  an  dealbh  sin  nach  eil  g-ras  an 
Tighearn  losa  cho  cumhann  's  a  tha  cuid 
d'a  dheisciobull  an  duil  agus  gu  'n  ruig  a 
throcair  air  gobhair  cho  mhaith  ri  caoraich? 
Faodaidh  sin  dha  no  tri  de  na  sgriobh- 
aichean  a  tha  air  na  leacan  a  chur  sios  air 
an  duilleig  so.  Leugh  bodach  na  sluasaid 
iad  cho  curamach  's  ged  bhiodh  e  a'  leugh- 
adh  tiomnadh  a  sheanar,  agus  faodar  fhacal 
a   ghabhail. 

"  Sith  dhuit,  tha  thu  maille  ri  Dia." 
"  A  GhraidJi,  tha  thusa  beo  gu  siorruidh." 
"Ann    an    sith." 

"An  so  tha  mo  mhac-sa,  le  toil  Dhe." 
"Mo  chaluman  beag  gun  loclid." 
"Uan  beag,  neo  chiontach." 
"  Cha  'n  'eil  Tereut  marbh  ach  beo." 
Nach  simplidh  bold  beach  na  facail  ghoirid 
sin  an  coimeas  ris  a  bharra-g-hloir  's  an 
sfiag-adagliog  a  leughas  tu  an  diugh  (lir 
clachan-cinn  os  cionn  nam  marbh.  Cha  'n  'eil 
feum  aig'  na  mairbh  air  am  moladh  agus  is 
diune  gun  naire  a  mholas  e  fein  air  clach- 
chinn  athar  no  mhathar.  Mile  bliadhna  'na 
dheigli  so  'nuair  a  thog-as  bodach  na  sluasaid 
ar  clachan-cinn-ne  a.s  an  talamh,  's  a  shuathas 
e  dhiubh  an  uir  's  a  mheirg  le  sail  a 
bhroige,  's  a  chuireas  e  na  gloineachan  air 
a  shroin  chum  ar  n'  ainm  's  ar  dochas  a 
leughadli,  tha  sinn  an  duil  gu  'n  abair  e, 
Cha  'n  'eil  e  furasd  a  radh  co  dhiu  a  bu 
chiniiich  no  bu  chreidmhieh  iad  oir  cha  leir 
dhomh  air  na  elaclian  so  ach  -  uabhar  an 
t-saoghail.  ' 


Air  8. 


1911. 


A'   CHAREAIG. 


B'i  a'  charraig  -sin  Criosd: — 1  Corint.  x.  4. 

A  reir  beul-aithris  nan  ludhach  lean 
sgealb  de'n  clireig  a  bhuail  Maois  elann 
Israeli  air  an  turus,  air  clior  's  nacli  robii 
cion  uisge  orra  anns  an  fliasach.  Clia 'n 
'eil  sinn  an  duil  gu'n  robh  Pol  a'  creidsinn 
na  seann  sgeulaclid  sin,  ach  rinn  e  feum 
dhitli  anns  an  litir  so  a  cliionn  gu'm  faca  e 
innte  samliladh  air  iirinn  spioradail  a  bu 
mhaitli  leis  a  chur  an  cuimhne  eaglaie 
Chorint;  is  e  sin  r'a  radh,  gu  blieil  gradh 
is  curam  Dhe  a'  leantuinn  a  shluaigli  gun 
sgur,  agus  gu  blieil  feartan  solasacii  an 
t-slanuigheir  a'  dol  an  eois  clireidmheach 
anns  gaoii  ceum  d'  an  turue  air  thalamli. 

Anns  a'  oliunntas  a  tha  leabliar  Ecsoduis 
a'  toirt  air  imeaelid  chloinn  Israeil  anns  an 
fhasaoh.  tha  moran  a'  tachairt  oirnn  a  tha 
gle  iongantach.  Tha  sinn  air  ar  toirt  air 
ais  gu  og-mhaduinn  an  t-saoghail,  'nuair 
a  leughas  sinn  mu'n  neul,  's  mu'n  teine,  a 
chaidh  romhpa  g'  an  treoraehadh ;  mu  na 
frasan  mana  a  tliuit  o  neamh,  agus  nithean 
eile  de'n  t-seorea  sin;  ach  is  e  an  snuaim 
shonruichte  a  tha  ruith  troimh  'n  eachdraidh 
uile,  mar  ghath  greine,  gu  blieil  cumhachd  is 
gliocas  Dhe  ag  oibreachadh  ann  an  eaclidr 
raidh  an  t-saoghail,  agus  gu  bheil  e  a' 
treoraehadh  dhaoine  ann  an  doighean  nacli 
aitline  dhaibh  chum  a  ruintean  diomliair  a 
choimhlionadli. 

Thachair  na  nithean  so  dhaibhsau  mar 
eisempleireau,  tha  Pol  ag  radh,  agus 
sgriobhadh  iad  clium  siune  air  a  bheil 
deireadh  an  domhain  air  teaclid  a  theagasg", 
agus  ged  thainig  atharraehadh  mor  air  an 
t-saoghal  o  laithean  Mhaois,  tha  miorbhuil- 
eaii  Dlie  mu  'n  cuairt  air  a  shluagh  an  diugli 
fliathast  cho  cinnteacli  's  a  blii  iad  mu  'n 
cuairt  orra,  'nu,'air  a  dh'  ith  iad  arian  o  n'eamh 
aims  an  fhasach.  Ged  nach  'eil  Dia  a'  labh- 
airt  ruinne  an  diugli  anns  a'  clieart  doigli 
aims  an  do  labhair  e  ris  na  h-athraichean 
o  sliean,  agus  ged  nach  'eil  a  fhreasdal  ag 
oibreachadh  'nar  beatha  air  an  aon  mliodh 
anns  an  d'  oibrich  e  ann  am  beatha  Israeil, 
is  e  an  aon  Dia  a  labhair  riusan  is  ruinne. 
'Nuair  a  blia  an  saoghal  ann  an  staid  lean- 
abaidli  a  thaobli  eolas  Dhe  is  tuigse  spior- 
adail labhair  Dia  r'a  shluagh  mar  ri 
ieanaban.  Labhair  e  riu  le  comharran 
follaiseach,  le  iongantasan  a  ghlaeadh  an 
suil  's   an  inntinii.     Ach   air  do  'n  t-saos-hal 


a  staid  leanabaidh  fhagail  'na  dheigh,  stad 
na  comharran  's  na  miorbliuilean  follaiseach 
sin,  agus  thoisich  Dia  air  labhairt  r'a 
shluagh  air  mhodh  eile.  Ach  ged  nach  'eil 
Dia  a'  nochdadh  a  lathaireachd  's  a  chumh- 
aclid  amis  na  linntean  so  air  an  aon  doigh 
anns  am  faca  clann  Israeil  iad,  tha  miorbli- 
uilean a  ghliocais  's  a  ghrais  cho  dluth 
dhuinne  's  a  bha  iad  dhaibhsan  na  'n  robh 
againn  an  t-suil  a  cliitheadh  's  an  cridlie 
a  thuigeadh  iad. 

Is  iomadh  samhladh  is  cosmhalachd  la 
chleachd  Pol  chum  maise  is  gloir  an  Tigli- 
lo'sa  a  Idlieanadli  soilleir  do'n  t-saoghal.  Bha 
ainm  an  t-slanuigheir  os  cionn  gacli  aium 
dha  ;  chleachd  e  uile  bhuadhan  'iimtinn 
chum  an  t-ainm  naomli  ardachadh,  agus  air 
dha  na  Eabbis  a  chluinntinn  a'  labhairt, 
'nan  doigh  thioram,  neo-spioradail  fein,  mu'n 
charraig  a  lean  clann  Israeil  anns  an  fhas- 
ach, rinn  e  greim  air  an  t-samhladh,  chuir  e 
brigh  is  maise  ur  aims  an  t-seann  sgeulaclid, 
agus  thuirt  e  ri  eaglais  Chorint,  Be  Criosd 
a  charraig  ain.  Agus  am  measg  nan  nith- 
ean ris  a  (bheil  Criosd  air  a  clioslachadh  anns 
an  Tiomnadh  ISTuadh,  chum  a  chumhachd  is 
'obaii-  a  nochdadh  do  dhaoine,  cha  'n  'eil 
samhladh  a's  freagarraiche  no  am  facal 
carraig.  Anns  an  t-seann  Tiomnadh  tha  Dia 
gu  bitheanta  air  a  choimeas  ri  carraig.  Ann 
an  aon  chaibideil  an  leabliar  Dheuteronomie 
tha  an  coimeas  so  air  a  chleachdadli  )sia 
uairean;  xxxii.  4,  1.5,  18,  30,  31,  37.  Anns 
na  sailm  tachrar  gu  trie  air  a  choimeas 
cheudna;  Is  e  an  Tighearna  mo  charraig, 
Salm  xviii.  2;  Treoraich  mi  chum  na  carr- 
aig a's  airde  na  mi  fein,  Salm  Ixi.  2; 
Carraig  mo  neirt,  mo  thearmunn  is  e  Dia, 
Salm  Ixii.  7;  Is  tu  carraig  mo  ehlainte, 
Salm  Ixxxix.  26.  Ach  is  e  Pol  a  mhain  a 
thug  an  coimeas  so  do  Chriosd,  ged  a  bha 
Isaiah,  ann  an  aon  seadh,  air  thoiseach  air, 
oir  labhair  esan  mu'n  Mhesiah  fada  roimh 
am  a  theachd  mar  dhuiue  "a  bhios  mar 
dhidean  o'n  doinionn;  mar  shruthan  uisge 
ann  an  aite  tioram,  mar  sgaile  creige  moire 
ann  an  tir  airsnealaich."  Tha  an  samhladh 
cho  iDrioghmhor  's  nach  'eil  e  iongantach 
gu'n  do  rinn  fear  de  bliaird  na  h-eaglais 
greim  air,  ann  an  laoicUi  a  fliuair  loisean 
blath  ann  an  cridhe  clireidmheach  air  feadh 
an    t-saoghail    uile, 

Chreag  nan  Linntean  !  stigh  fo  d'  sgail 
Bitheams  air  mo  dhion  gu  brath. 

Thubliairt  Criosd  fein  aon  uair,  "Gacli  neaeh  a 
ni    mo    briathran-sa    samhluichidh    mi    e    ri 


30 


duine  glic  a  tliog-  a  thigh  air  carraig,"  ag-us 
iiair  eile  thubhairt  e  gu  'n  robh  ereidimh 
Pheadair  'na  dhiadhachd  mar  charraig,  agus 
gnir  ann  air  an  seorsa  creige  sin  a  thogadh  e 
'eaglais.  Is  e  sin  r'a  radh,  tha  iadsan  a  tha 
creidsinn  gur  e  losa  mac  Dhe  agus  a  ni  a 
thoil  a'  socruchadh  am  beatha  epioradail  air 
bunait  sheasmhaich.  Tha  iad  a'  togail  air 
carraig   nach   brisear. 

Dh'  fhaodamaid  an  samhladh  a  leantuinn  a 
mach  na's  fhaide  agus  labhairt  air  an  dton. 
's  am  fasgadh,  's  an  tearuinteachd,  a  -tha  a 
shluagh  a'  faotainn  ann  an  Criosd;  ach  is 
leoir  dhuinn  aig  an  am  so  greim  a  dheau- 
adh  air  an  aon  smuain,  gu  bheil  Criosd  a' 
dol  maille  r'a  shluagh  air  an  turus,  direach 
mar  a  lean  a'  chreag  clann  Israeil,  a  reir 
beul-aithris  nan  seanairean.  Gheall  e  d'a 
dheisciobuil  gu'm  biodh  e  maille  riu,  eadhoin 
gu  deireadh  an  t-saoghail.  Cha  'n  'eil  e  'g 
am  fagail  gun  taic,  gun  chuideachadh,  ri 
aghaidh  nan  cunnartan  's  nan  naimhdean  a 
thachras  riu,  ach  tha  aingeal  a  lathaireachd 
air  an  deis  laimh  a  glinath.  Ma  tha  neoil 
dhorcha  'ga  fholuch  uainn,  's  mur  'eil  fair- 
eachduinn  againn  air  co-chomunn  a  ghraidh, 
is  ann  againn  fein  a  tha  a  ehoire  's  cha  'n 
ann  aige-san.  Cha 'n  urrainn  e  comhnuidh 
a  dheanadh  annainn  ma  tha  sinn  a'  toirt 
aoidheachd  'n  ar  cridhe  do  nithean  a  tha 
calg  dhireach  an  aghaidh  'inntinn-sau.  Ciod 
an  reite  a's  urrainn  a  blii  eadar  Criosd  is 
Belial,  no  ciod  e  caidreabh  na  fireantachd  ri 
neo-fhireaniachd?  Ach  ma  tha  a  shluagh  a' 
coimhead  fhacail  agus  a'  deanamh  a  thoile, 
ni  e  comhnuidh  maille  riu  's  cha  'n  fhag  e 
iad  gu  brath.  Bheir  e  aithne  d'a  aingiean 
m'  an  timchioll  chum  an  gleidheadh  'nan 
sliffhean  uile.  Bidh  aran  aca  r'a  itheadh  is 
deooh  r'a  ol  nach  aithne  do'n  t-saoghal.  Tha 
abhainn  de  dh'  uisge  beo  a'  sruthadh  o 
charraig  nan  al,  agus  gheibh  iadsan  a 
dh' olas  de'n  uisge  sin  neart  is  beatha. 

'S  Tusa  'n  tobar  beo  gu  fior 
'Chaisgeas  m'  iotadh  mor  gu  saor 
'Chuireas  solas  ann  am  chridh' 
'S  fad  na  siorruidheachd  nach  traoigh. 

Ciod  air  bith  na  duileadasan  no  na  deucli- 
ainnean  a  thachras  air  luchd  leanmhuinn 
Chriosd,  biodh  iad  fo  dheagh  mhisnich,  oir 
tha  esan  maille  riu  agus  is  leoir  a  ghras-san 
air  an  son.  Ma  tha  iad  ann  an  teagumh  's 
ma  tha  an  solus  a'  fas  fann  gairmeadh  iad 
airsan  agus  iarradh  iad  air  an  seoladh,  oir 
"  treoraichidh  e  na  daoine  ciuin  ann  am 
breitheanas."  Ma  tha  an  neart  a'  failneach- 
adh  's  an  cridhe  fo  eagal  feitheadh  iad  na's 
bitheanta  's  na's  durachdaiche  ai^-  cathair 
nan   s-ras   oir   iadsan   a   dh'  fheitheas   air   an 


Tighearna  ath-nuadhaichidh  iad  an  neart. 
Na  abair  a'd  chridhe,  Co  a  theid  suas  air 
neamh  a  thoirt  Chriosd  a  nuas,  oir  tha  am 
Facal  maille  riut.  Tlia  Criosd.  cho  dluth 
d'a  shluagh  an  diugh  's  a  bha  e  do  na 
deisciobuil  'nua.ir  a  ghluais  iad  maille  ris 
ann  an  Galile,  oir  gheall  e  nach  fagadh  e 
iad  'nan  dilleachdain  ach  gu'n  tigeadh  e 
d'  an  ionnsuidh.  Ma  ghradliaicheas  neaeli 
mise,  gradhaiehidh  m'  athair  esan  agus  thig 
sinn  d'a  ionnsuidh,  agus  ni  sinu  comhnuidh 
maille  ris,  Eoin  xiv.  23. 

Cha  'n  e  mo  mhianu  thu  thriall  air  i'albh  gun  dail 
Mar  neaoh  air  chuairt,  ach  thu  bhi  'gabhail  taimh 
A'm  chuideachd  fein,  a  Dhe.  le  eairdeas  dluth, 
A  chaoidh  nan  cian  nach  treig,  fan  maille  riuni  ! 


FOGARACH  AIR  AN  TALAMH. 


0  chionn  fada  nan  cian  bhiodh  na  seann 
mhanaicli  ag  innseadh  sgeulachd  air  droch 
ludhach  air  an  d'  thug  'iad  an  t-ainm 
Ahasuerus.  A  reir  seanchas  nam  manach 
bu  ghreusaiche  Ahasuerxis,  agus  bha  a 
chridhe  cho  cruaidh  ris  an  ealaig  air  am 
biodh  e  a'  deanamh  nam  brog.  Bha  dorus 
a  thighe  a'  fosgladh  air  an  t-sraid  troimh  an 
d'  thug  na  saighdearan  losa  chum  a  cheus- 
adh  an  taobh  a  muigh  de'n  bhaile.  Leis 
an  eucoir  's  an  droch  ghiullachd  a  rinneadh 
air  bha  neart  losa  a'  failneaohadh,  agus,  anns 
an  dol  seachad,  leigl  e  a  tthaic  ri  lu-sann  dorue 
a'  ghreusaiche,  ag  iarraidh  faochadh  o  uall- 
ach  na  craoibhe  a  leag  iad  air  a'  ghualainn. 
Ach  'nuair  a  chunnaic  an  greusaiche  so, 
thainig  e  mach  agus  gu  borb  dh'  iarr  e  air 
'ursann-san  fhagail  agus  gabhail  roimhe. 
Thionndaidh  losa  agus  thubhairt  e  ris,  Tha 
mise  a'  falbh  ach  falbhaidh  thusa  cuideachd" 
agus  cha  sguir  do  shiiibhal  gu  brath.  Dh'fhag 
Ahasuerus  a  bhean  's  a  chlann  agus  o'n 
latha  sin  gus  an  diug-h  cha  deachaidh  stad 
air  a  shiubhal  's  a  shior  imeachd.  Tha  e 
'na  fhogarach  air  aghaidh  na  talmliainn, 
ag  iarraidh  fois  is  dachaidh  gun  am  faigh- 
inn.  An  drasd  chithear  e  anne  an  Fhraing 
's  a  rithist  anns  a'  Ghearmailt,  o  dhuthaich 
gu  duthaich,  's  o  bhaile  gu  baile,  tlra  e  air 
a  ruagadh  a  la  's  a  dh'  oidhche,  's  cha  stad 
a  shiubhal  gus  an  tig  Criosd  an  dara  uair. 

Ciod  a  bha  na  manaich  a'  ciallachadh  leis 
an  t-seann  sgeulachd  so?  Tha  sinn  an  dull 
gu'n  robh  iad  a'  labhairt  ann  an  cosmhalachd 
agus  gu'n  robh  iad  a'  gabhail  Ahasueruis 
mar  shamhladh  air  na  h-Iudhaich,  agus  a' 
gabhail  na  mallachd  a  leagadh  air  mar 
shamhladh  air  a'  bhreitheanas  a  thuit  orra 
mar  shluagh  an  deigh  dhaibh  Criosd  a 
cheusadh. 


I 


4 


3 
J 


31 


Tha  na  Ii-Iudhaicli  an  diugli  'nan  sluagli 

gun  dutliaicli,  gun  dachaidh,  'nam  fogaraicli 

air  aghaidli  na  talmliainn.    Tlia  am  facal  a 

tlia  air  a  sgriobliadli  m'  an  timoliioll  ann  an 

leabliar    Dheuteronomi   air   a   choimhliouadh 

gu  litireil,   "  Sgapaidh  an  Tighearn  tliu  am 

measg    nan    idle    chinneach,   o'n   dara    ceann 

de'n  talamli  eadhoiu  gus  an  ceann  eile,  ague 

am    measg    nan    cinneach    clia'u    fhaigli    thu 

suaimhneas  sam   bith,   ni  mo   bhios   fois   aig 

bonn    do    choise."     Clia    robh    fios    aca    ciod 

a  bha  iad  a'  deanamh  'nuair  a  ghlaodh  iad, 

"  Biodh    fhuil    oirnne    agus    air    ar    cloinn." 

Phuair   iad   an   guidhe   agus   thuit   mallaohd 

uamhasach  air   an   ceann.     Beagan   bliliadh- 

nachan   an   deigh   dhaibh   an   Slanuighear   a 

cheusadh    cbaidh    lerusalem    a    leagadh    gu 

lar,  agus  o'n  latha  sin  gus  an  diugh  tha  na 

h-Iudhaich  gun  fhonn,  gun  fhearann,  eadar 

a'    bhaobli    's    a'    bhuaraoh    am    measg    uile 

shluagh  an  domhain.     Tha  iad   'nan  daoine 

deanadach,  stuama,  crionna;   ach  air  dhoigh 

air     chor-eigin     tha     himh     nan     uile     'nan 

aghaidh,    's    cha  'n  'eil    aig-    cinnich    eile    ach 

buille    ma    seach    air    na    h-Iudhaich.      Tha 

comharra    Chain    air    clar    an    aodainu    agus 

eadhoin   am   measg   rioghachdan    Criosduidh 

cha,  'n    fhaigh    iad    gu    bitheanta    lagh    eile 

ach   lagh   a'    choin   chrosda — "  buail   thall   is 

coinnich  a  bhos  e."    Uair  is  uair  eile  rinn- 

eadh  a'  leithid  de  gheur-leanmhuinn  orra   's 

gu'n  do  theap  iad  a  bhi  air  an  sgrios  bharr 

aghaidh  na  talmhainn,  ach  tha  iad  an  diugh 

na's  lionmhoire  no  bha  iad  riamh.     B'e  air- 

eamh  nan  ludhach  an  uiridh  12,000,000,  air 

an  sgapadh  air  feadh  an  t-saoghail  mar  so:  — 

Ann  an  Russia,       -         -     5,215,000 

Ann  an  Austria,     -         -     1,125,000 

Anns  a'  Ghearmailt,         -        608,000 

Ann  an  Roumania,  -        250,000 

Anns  an  Tuirc,       -         -        300,000 

Ann   am    Breatunn,         -        238,000 

Anns  a'  Fhraing,  -         -  95,000 

Anns  an  Olaind,     -         -        106,000 

Ann  an  Lochlanu,  -         -  8,000 

Anns  a'  Ghreig,     -         -  5,000 

Ann   an    Asia,         -         -        375,000 

Ann    an    Africa,     -         -        355,000 

Ann  an  America,  -         -     2,125,000 

Ann  an  Astralia,   -         -  20,000 

Cha  'n  urrainnear  a  radh  gu  'u  d'  fhuair  na 

h  -  ludhaich      riamh      ceartas      o'n      eaglais 

Chriosduidh,    oir   an   aite    feuchainn    ris    an 

t-soisgeul  a   thoirt  dhaibh   gu   caomhal   ann 

an   spiorad   Chriosd   an   doclias   gu  'm   biodh 

iad  air  an  iompachadh,  b'e  an  eaglais  a  bu 

h-aon   's   a   bu  dha   'g   an   liodairt   's   'g   an 

ruagadh.    Anns  na  seann  laithean  bha  moran 

de  chreidmhich  am  beachd  gu  'n  robh  iad  a'    | 


deanamh  seirbhis  do  Dhia  agus  a'  dearbhadh 
an  eud  air  taobh  na  firinn,  ann  a  bhi  toirt 
fasgadh  air  na  h-Iudhaich.  Cha 'n 'eil  e  idir 
iongantach,  niata,  gu  'm  biodh  fuath  is 
gamhlas  aig-  cinneacli  cho  sean  's  cho  uaibh- 
reaeh  ri  sliochd  Abrahaim  do  dhaoine  a 
rinn  uiread  beubanachd  orra  's  a  rinn  na 
Criosduidhean.  Ach  tha  cuisean  air  atliarr- 
achadh  a  nis,  agus  tha  an  eaglais  Chriosd- 
uidh ag  altrum  spiorad  a's  fhearr  do  thaobh 
nan  ludhach,  ged  a  theid  iomadh  bliadhna 
seachad  ma'n  dichuimhnich  iadean  an  iamh- 
achas-laidir  a  riuneadh  orra  anns  na  linntean 
a  dh  fhalbh. 

Ged  bha  suilean  nan  ludhach  air  an 
dalladh  air  chor  agus  nach  do  ghabh  iad  ris 
a'  Mhessiali  aig  am  a  theachd,  cha  bu  choir 
do'n  eaglais  Chriosduidh  an  t-seirbhis  mhor 
a  rinn  an  sluagh  so  do  Dhia  a  dhichuimhn- 
eachadh.  Is  ann  uapa  a  fhuair  an  saoghal 
an  dileab  a's  priseile  a  fhuair  e  riamh.  Air 
tus  mheas  Dia  iad  airidh  air  eolas  na  firinn 
a  thoirt  dhaibh,  agus  fad  iomadh  linn 
ghleidh  iad  an  fhirinn  gu  curamach  's  cha 
i-eiceadh  iad  i  air  son  gloir  is  greadhnachas 
an  t-saoghail.  Chum  iad  loohran  a'  chreid- 
imh  beo  an  uair  a  bha  rioghachdan  eile  ana 
an  tiugh  dhorchadas.  Bha  iad  eudmhor  air 
taobh  Dhe,  agus  mar  thoradh  an  dilseachd, 
rinn  an  Tighearna  coimhcheangal  siorruidh 
riu  ;  agus  ged  chaidh  iadsan  air  seacharau 
anu  an  laithean  an  aineolais  agus  ged  bhris 
iad  an  coimhcheangal  sin,  cha  do  thilg  Dia 
air  falbh  iad  gu  buileach  oir  tha  tiodhlacau 
is  gairm  Dhe  gun  aithreachas. 

Cha  'n  'eil  eaglais  na  h-Alba  a'  deanamh  a 
dleasdauais  ris  na  h-Iudhaich  agus  cha  'n 
'eil  an  oidhirp  a  tlip,  i  a'  deanamh  chum  an 
cosnadh  do  Chriosd  ach  suarach.  Tha  buill 
na  h-eaglais  moran  na's  fialaidhe  ann  a  bhi 
cuideachadh  craobh  sgaoileadh  an  t-soisgeil 
am  measg  dhaoine  clubha  no  tha  iad  ann 
a  bhi  'g  a  thoirt  do  na  h-Iudhaich,  ag-us  is 
e  an  t-aobhar,  gu  bheil  an  seann  ghamhlas 
eadar  ludhaich  is  Criosduidhean  beo  fhathast. 
Chuala  sinn  iomradh  air  ministeir  a  labhair 
r'a  choimhthional  mar  so  air  an  t-Sabaid 
air  an  robh  an  tabhartasan  air  iarraidh 
air  son  nan  ludhach — "  Tha  e  air  iarraidh 
oirnn  an  diugh  tabhartas  a  thoirt  do  na 
h-Iudhaich,  ach  air  m'  fhacal,  dm  toigli  learn 
iad.  Cha  'n  'eil  annta  ach  droch  dhaoine, 
ach  dea^mdJi  sibhse  'ur  roghainn."  Cha  'n  'eil 
an  doigh  bruidhne  sin  ceart,  a,gus  cha  mho 
is  e  sin  an  spiorad  anns  am  bu  choir  do 
bhidll  na  h-eaglais  a  bhi  sealltuinn  air  na 
daoine  o'n  d'  fhuair  sinn  an  dileab  spioradail 
a  tha  sinn  a'  sealbhachadh.  Bu  choir  do 
Chriosduidhean  baigh  is  cairdeas  a  nochdadh 


32 


do  na  h-Iuclhaich  air  sgath  an  aithiichean ; 
air  sgath  nam  faidliean,  's  nan  salmadairean, 
's  nan  abstol  a  dh'  araich  lad  agus  a  thug 
dhuinne  eolas  Dhe;  agios  gu  sonruichte  air 
a  sgath-sau  a  thainig  o  fhreiimh  Jesse, 
a  reir  na  feola. 

Ged  thiiit  doille  spioradail  air  na  h-Iudh- 
aich  car  greis,  cha  'n  'eil  iad  idir  'nan  sluagh 
ain-diadhaidh.  Ged  nach  do  ghabh  iad  ri 
Griosd  mar  am  Messiah  i-is  an  robh  fiuthair 
aea,  tha  tart  'nan  anam  an  geall  air  Dia. 
•  Cha  'n  "eil  iad  a'  deanamh  aoraidh  do 
iodhalan,  agus  faodar  a  radh  le  firinn  nach 
'eil  iad  fad  o  rioghachd  Dhe.  Tha  buadhau 
inntinu  is  eridhe  aca  a  bhiodh  tarbhach 
amis  an  eagiais  Chriosduidh  agus  a  bheir- 
eadh  beatha  ur  dlii,  na'm  biodh  iad  air  an 
tionndadh  o  lagh  Mhaois  gu  creidimh  anns 
an  t-Slanuighear.  'Nuair  a  sheallas  sinn  air 
ais  air  an  eachdraidh  agus  a  chi  sinn  iad 
uair  is  uair  an  imjjis  a  bhi  air  an  sgrios  as 
an  t-saoghal,  ach  fhathast  ag  ath-nuadh- 
aehadh  an  oige  's  a  fas  na's  lionmhoire; 
'nuair  a  chi  sinn  gu  bheil  iad  a'  gleidheadh 
am  fala  gun  truailleadh,  's  an  gne  's  an 
coltas  's  an  cleachdaidhean  gun  atharrachadh 
ged  tha  iad  air  an  sgapadh  am  measg  chinn- 
each  eile,  gun  daehaidh,  gun  duthaich,  tha 
aobhar  againn  a  bhi  creidsinn  gu  bheil 
freasdal  Dhe  air  a  chul  sin  uile  agus  gu 
bheil  obair  mhor  aig  na  h-Iudhaich  j-i 
choimhlionadh  fhathast  ann  an  eachdraidh 
an  t-saoghail.  Thug  iad  cheana  faidhean  is 
abstoil  is  Slanuighear  do'n  t-saoghal,  agus 
faodaidh  e  bhith  gur  ann  air  an  t-sluagh  a 
thag-l),  e  o  s^iean  a  chuireas  Dia  an  t-urram 
anns  na  laithean  deireannach,  an  eaoghal 
uile  a  chosnadh  d'a  Mhae.  Cha  tig  an  la 
sin  gus  am  bi  iad  fein  air  an  iompachadh 
an  toiseaeh.  Sineadh,  mata,  eagiais  Chriosd 
a  lamhau  a  mach  a  dh'  ionnsuidh  nan 
ludhach  agus  deanadh  i  eadar  g-huidhe 
dhurachdach  ri  Dia  as  an  leth;  oir  ma's  e  an 
tilg-eadh  -  san  air  falbh  reiteachadh  an 
domhain,  ciod  e  an  ath-ghabhail  ach,  beatha 
o  na  marbhaibh?  Cha  do  thilg  Dia  uaith 
gu  brath  am  pobull  a  roimh-aithnich  e,  oir 
tha  an  gealladh  a  thug  e  dhaibh  seasmliach 
— "  Ni  mise  coimeheangal  Bithe  riu;  bidh  e 
'na  choimhcheangal  siorruidh,  agus  ni  mi 
lionmhor  iad,  agus  cuiridh  mi  mo  naomh- 
ionad  'nam  meadhon  gu  brath.  Bidh  mo 
phailliun  mar  an  ceudna  maille  riu;  seadh, 
Isidh  mise  dhaiblisan  a'm  Dhia  agus  bidh 
iadsan  dhomhsa  'nan  sluagh.  Agus  aithnieh- 
idh  na  cinnich  gur  mise  lehobhali  a  naomh- 
aiclieas  Israel,  an  uair  a  bhios  mo  naomh- 
ionad  'nam  meadhon  gu  siorruidh: — Eseciel 
xxxvii.  26-28. 


LAOIDH    CEEIDIMH. 


S&allaibh  rium-sa,  agus  bithibh  air  bhur 
tearnadih,  uile  iomalla  na  talmhainni 

Le  creidimh  seallaidh  mi 

Riut   fein,   Uan   Chalbhari, 

Mo    Shlanuighear   caomli; 

Nis  eisd  ri  m'  urnuigh  bhochd, 

Glan  uam  mo  chiont  's  mo  lochd; 

0   bitheam  beo  dhuit  fein 

'Na  dheigli  so   chaoidh. 

0  biodh  do  ghras  gach  am 
Toirt  treoir  do  m'  chridhe  fann; 
Dean  m'  eud  na's  mo; 
Bho  'n   bhasaich   thu   'g   am   dhion, 
O  biodh  mo  ghradh  dhuit  fior, 
Glan,   beo,   is   buan   gu  sior, 
'Na   theine   beo. 

Troimli    fhasach    dorch'    an    t-saogh'l 
Is   teinn   tigh'nn   orm   gach   taobh 
Dean  fein  dhomh  iul; 
Tionndaidh  mo  dhorch'   gu  la. 
Slab  uam  deur  broin  is  craidli, 
Mo   cheuman  stiuir   a   ghnath, 
Gu  tamh  dhuit  dluth. 

An  uair   thig   crioch   mo   laith, 

's  sruth  duaiehnidh  fuar  a'  bhais 

Ag  iadhadh  dluth, 

A  Slauuigheir  chaoimh,  na  treig, 

Cuir   g-eilt   's   an-earbs   bhuam   fein; 

O    giulain   mi  gun   bheud 

A  sheinn  do  chliu. 

Bha  an  laoidh  so  air  a  sgriobhadh  le 
ministear  de  mhuinntir  America,  an  t-Ollamh 
RAY  PALMER.  Cha  robh  e  ach  da 
bhliadhna  air  fliichead  'nuair  a  sgriobh  e 
i,  agus  tha  e  fein  ag  innseadh  gu  'u  do 
sgriobh  e  i  le  cbeoir  'na  shuilean.  Tha  an 
laoidh  air  a  h-eadar  theangachadh  'gu 
iomadh  canain.  Is  e  A.  Mac  Eachuinn  a 
thionndaidh  i  gu  Gaidlilig.  Chuireadh  i  an 
Laidionn,  am  Fraingis,  an  CTearmailt,  agus 
an  cainnt  mhoran  chinneach  anns  na 
h-Innsean  an  Ear  is  China.  Rinn  PALMER 
laoidhean  eile  ach  cha  d'  fhuair  gin  dhiubh 
an  t-aite  a  fhuair  i  so  ann  an  eridhe  na 
h-eaglais  Chriosduidh.  B'e  PALMER  a 
thionndaidh  gu  Beurla  an  laoidh  a  sgriobh 
an  naomh  BERNARD  ann  an  Laidionn 

losa  !  's  til  aoibhneas  mor  do  shluaigh 
'S  tu  tobar  beath  '.s  tu  solus  aigh. 

Tha  gaol  aig-  daoine  air  an  laoidh  so  p, 
chionn  gu  bheil  i  a'  cur  cainnt  air  iarrtas 
an  anma  air  fasgadh  fhaotainn  ann  pn 
Criosd,  agus  a  chionn  gu  bheil  i  a'  toirt 
m'  an  coinneamh  Uau  Dhe  a  thug  air  falbh 
peacanna    an    t-saoghail. 


/g"'  5'6' 


1   V    M