Skip to main content

Full text of "Life and work 1924-1927"

See other formats


ilHl; 


^lljilwlil'^:' 


feii3JjZ«iffill/Kivi?iaM0X'i^^ 


^?5<3(4/)ci<r;->(p^/t3 


"prc5entc6  bp 

..,2d/....- 2).'. i^x^^s^joJ)...^ /.95.5.. 


^ 


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1924192700chur 


Air.    1. 


1924. 


ANNS  A  CHATHAIR. 


Bho  chionn  ghoirid  thachair  dhomh  a  bhi 
'n  am  shuidhe  aig  dinneir  laimh  ri  boirionn- 
ach  laidir  fearail  nach  fhaca  mi  riamh 
roimhe,  agus  bho  nach  b'  urrainn  domh 
amuaineachadh  air  rud  eile  air  am  bruidh- 
ninn  rithe,  thug  mi  tarruing  air  Tutank- 
amon,  agus  air  bodach  na  sluasaid  a  tha  a' 
cladhach  na  h-uagha  aige.  Ach  cha  robh 
fhios  aice  air  an  t-saoghal  c6  a  bha  ann  an 
Tuta.nkamon,  agus  a  thuilleadh  air  sin,  bha 
i  caoin-shuarach  ged  nach  robh.  Chunnaic 
mise  gu'n  do  chuir  mi  mi  fhein  ann  an  crois, 
agus  dh'  fheuch  mi  ri  seanchas  eile  fhaotainn, 
ach  sin  cha  leigeadh  i  leam,  agtis  b'  fheudar 
dhomh  dol  troimh  sgonn  maith  de'n  naigh- 
ea^.hd  m'  an  do  leig  i  leam  stad.  Agus  air  a' 
clieann  mu  dheireadh  b'e  so  a  thubhairt  i, 
"B'  fhearr  do  na  daoine  ris  an  abair  thusa 
bodaich  na  sluasaid  fuireach  aig  an  tigh 
agus  na  garaidhean-cail  aca  fhein  a  ruamhar 
leo  seach  a  bhi  dol  do'n  Eiphit  a  shiubhal 
chorp  is  chnamhan  is  treathlaich  gun  fheum." 
Bha  am  boirionnach  laidir  fearail,  is  cha 
robh  de  mhisnich  agam-sa  na  dheanadh 
argumaid  rithe,  ach  'n  am  shuidhe  anns  a' 
chathair  so,  agus  uile  mhnathan  an  t-saoghail 
air  taobh-a-muigh  na  comhladh,  faodaidh 
mi  saorsa  m'  inntinn  agus  mo  choguis  a 
ohleachdadh,  agus  a  radh  gu  farumach,  nach 
b'  urrainn  an  t-sluasaid  obair  eile  fhaotainn 
is  aighearaiche  do'n  fhear  a  tha  air  a  cul, 
no  is  buannachdaile  do'n  t-saoghal,  na  bhi 
a'  cladhach  nan  uaighean  anns  an  Eiphit. 
Tha  meas  mor  agam-sa  air  bodaich  na  sluas- 
aid, agus  tha  mi  a'  creidsinn  gur  airidh  an 
duine  a  thilgeas  aon  leus  beag  soluis  air  na 
laithean  a  dh'  aom  air  barrachd  urraim  na 
g6d  a  thogadh  e  Ian  poUaig  de  bhuntata  leis 
an  t-sluasaid.  Cha  tig  mac  an  duine  beo 
air  buntata  no  currain  a  mhain. 

Ach  ged  tha  gu  leoir  anns  na  paipearan 
mu  Thutankamon  cha  robh  e  idir  'n  a  dhuine 
cho  glic  no  cho  comasach  ri  'athair-ceile, 
Akhnaton.  B'e  Akhnaton  aon  de  iongant- 
asan  an  t-seann  t-saoghail;  bha  tuigse  is 
breithneachadh  aige  air  cursa-  a'  chruthach- 
aidh  agus  air  diomhaireachd  na  diadhaidh- 
eachd  nach  'eil  aig  moran  dhaoine  an  diugh 
fhathast.  Bha  e  fada  na  bu  ghlice  na  am 
Morair  Birkenhead,  oir  cha  robh  e  a',  creid- 
sinn ann  an  cogadh.  Tha  cuid  de  bhodaich 
na  sluasaid  am  beachd  gur  ann  bhuaith  a 
fhuair  na  h-Iudhaich  an  ceathramh  salm' 
thar  a  choig  fichead.  Ach  feumaidh  mi  a 
radh   nach    'eil    sgoilearan    a'    Bhiobuill',  a' 


gabhail  ris  a'  bheachd  sin,  ged  tha  iad  ag 
aideachadh  gu  bheil  ceangal  air  chor-eigin 
eadar  an  laoidh  aig  Akhnaton  agus  salm  an 
t-salmadair.  Cha  robh  an  laoidh  air  a  cur 
riamh  ann  an  Gaidhlig,  ach  tha  e  furaeda  gu 
leoir  dhomh  fh6in  sin  a  dheanamh. 

LAOIDH  AKHNATOIN. 

Tha  an  saoghal  ann  an  dorchadas  mar  na 
mairbh.  Thig  na  leonihain  a  mach  as  a'  ghar- 
aidh {Salm,  civ.  20). 

'Nuair  dh'  eireas  tu  aig  bun-bac  na  speur  teich- 
idh  an  dorchadas ;  An  sin  ni  iad  uile  an  obair. 

{Salm,  civ  22). 
Tha  na  craobhan  agus  na  Iiaibhean  fo  bhiath 

na  h-eoin   ag  itealaich  mu'n  Ion  .... 

agus  na  caoirich  a'  leumartaich.  {Salm,  civ.  16). 

Sios  is  suas  seolaidh  na  longan  .  .  .  leumaidh 
an  t-iasg  anns  an  abhainn  ann  a'd'  lathair ;  tha 
do  ghathan  ann  am  meadhon  a'  chuain  mhoir. 

(Salm,  civ.  25). 

Cia  lionmhor  t'  oibre  uile.  Chruthaich  thu 
an  talamh  a  reir  do  mliiann, — daoine,  agus 
beathaichean  agus  na  tha  air  'uachdar. 

{Salm,  civ.  24). 

Chuir  thu  abhainn  anns  na  nfeamhan,  chum 
gu'n  tigeadh  tuiltean  air  na  beanntan  .... 
a  dh'  uisgeachadh  nan  achaidhean.  Tha  abhainn 
nan  speur  a  chum  seirbhis  nan  ooigreach,  agus 
air  son  bheathaichean  gach  uile  thir. 

{Salm,  civ.  13). 

Riun  thu   na   h-aimsirean eirigh,   is 

dealradh,  is  luidhe.  {Salm,  civ.  19). 

Feithidh  an  saoghal  uile  air  do  laimh  .... 
An  uair  a  dh'  eireas  tu  bidh  iad  beb ;  an  uair 
a  luidheas  tu  gheibh  iad  bas.       {Salm,  civ.  27). 

Rinn  an  salmadair  an  t-salm  do  lehobhah, 
ach  b'  ann  do'n  ghrein  a  rinn  Akhnaton  an 
laoidh.  Faodaidh  e  bhith  gu  robh  iad  le 
cheile  air  an  steidheachadh  air  laoidh  a  bu 
shine,  no  gu'm  b'  aithne  do  shalmadair 
Israeil  an  t-seann  laoidh  so,  agus  gu'n  do 
ghabh  e  iasad  aisde  an  uair  a  bha  e  a'  dean- 
amh  na  sailm,  ach  eo  dhiii  tha  iad  cairdeach. 

Fhuaradh  an  uaigh  aig  Akhnaton  bho 
chionn  se-  bliadhna  deug,  agus  faodar  a 
chorp  fhaicinn  an  diugh  ann  am  Museum. 
A  mach  o  Mhaois  cha  robh  duine  auHs  an 
t-seann  t-saoghal  a  rainig  ire  cho  ard  ann 
an  spioradalachd  ri  Akhnaton,  agus  their 
cuid  gu  robh  e  fada  air  thoiseach  air  Maois 
fhein.  Dh'  fheuch  e  ri  beachdan  a  shluaigh 
atharrachadh  a  thaobh  nan  diathan  d'  an 
robh  iad  ag  aoradh,  agus  chuir  e  air  choie 
creideamh  iir  anns  an  Eiphit.  An  aite  a 
bhi  ag  aoradh  do  mhoran  dhiathan  mar  a 
bha  'aithrichean  agus  a  shluagh,  dh'  ardaich 
■'an  ..-duine  ud  aon  dia  os  cionn  nan  uile,  an 
dia  Aton.  Their  cuid  gur  e  Aton  a'  ghrian, 
ach  cha  b'  ann  do'n  ghr6in  a  bha  Akhnaton 


Vrl^^ 


ag  aoradh  ach  do'n  Chunxhachd  neo-fhaics- 
inneach  a  tha  air  a  cul.  Nach  e  sin  an  Dia 
d'  am  bheil  Criosduidhean  ag  aoradh  cuid- 
eachd,  ged  is  aithne  dhuinn  tuilleadh  d'a 
oibre  ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail  na 
b'  aithne  do  Akhnaton  !  An  uair  a  chuimh- 
nichear  gu  robh  an  duine  so  beo  ceithir 
cheud  deug  bliadhna  roimh  theachd  Chriosd, 
faodar  a  thuigsinn  gu  robh  e  fada  fada  air 
thoiseach  air  a  linn  fein.  Aig  am  anns  an 
robh  daoine  eile  a'  smuaineachadh  gu  robh 
na  diathan  coltach  riu  fhein,  ach  a  mhain 
rud  beag  na  bu  mhotha,  rainig  an  duine  so 
air  an  fhirinn,  gur  spiorad  Dia.  Dh'  iarr 
e  air  a  shluagh  Dia  iarraidh,  cha  'n  ann  ann 
an  iobairtean  no  ann  an  samhlaidhean,  ach 
am  measg  nam  fliiraichean  agus  nan 
craobhan,  am  measg  nan  eun  agus  an  eisg, 
ann  an  toilinntean  an  t-samhraidh  agus  an 
t-soluis. 


SIOL  NA  H-EAGLAIS. 


Air  dha  bhi  marhh  tha  e  fathast  a'  labhairt. 
Eabh.  xi,  Jj.. 

Tha  tri  duthchanna  beag  ann  a  chuir  an 
saoghal  uile  fo  fhiachan  daibh, — a'  Ghreig, 
agus  Canaan,  agus  Albainn ;  agus  dhiubh 
sin,  is  ann  ri  Albainn  a  tha  na  cinnich  ag 
eigheach  an  diugh,  Thigibh  thairis  agus 
cuidichibh  leinne.  An  uair  a  thoisichear 
air  cunntas  nan  daoine  a  chaidh  a  mach  le 
lochran  na  Firinn  do  dhuthchannan  a  bha 
'n  an  luidhe  ann  an  dorchadas,  gheibhear 
moran  de  na  daoine  againn  fein  'n  am 
measg;  Mungo  Park  is  Daibhidh  Mac  an 
Leigh;  J.  C.  Paton  is  Seumas  Chalmers; 
Raibeart  Laws  is  DomhnuU  Friseal ;  daoine 
mu'm  faodar  a  radh  ann  an  da  rlreadh, 
gu'n  do  cheannsaich  iad  rroghaehdan  agus 
gu'n  d'  oibrich  iad  fireantachd. 

Bu  mhaith  learn  aig  toiseach  bliadhna  eile 
a'  cheud  aite  air  an  duilleig  so  a  thoirt  do 
dhuine  a  chaidh  leis  an  t-soisgeul  do  thir 
chein.  Tha  e  iomchuidh  gu'n  deanamaid 
an  drasd  's  a  rithist  mar  a  dh'  iarr  mac 
Shirach,  gu  molamaid  daoine  ainmeil,  ach 
tha  sin  a'  togail  na  ceiste,  Co  iad  na  daoine 
as  fhiach  am  moladh?  Cha  ruig  mise  leas 
commandairean  aii'm  a  mholadh,  no  daoine 
mora  na  Parlamaid,  no  tighearnan  a'  mharg- 
aidh,  no  seorsa  air  bith  eile  a  tha  daonnan 
ann  am  beul  agus  ann  an  siiilean  an  t- 
sluaigh.  Cha  'n  'eil  dearmad  air  a  dhean- 
amh  air  an  t-seorsa  sin  uair  air  bith,  ach 
tha  dearmad  air  a  dheanamh  air  ar  soisgeul- 
aichean  ann  an  tirean  cein,  a  chionn  nach 
'eil  an  obair-san  air  a  deanamh  ann  am 
follais  an  t-saoghail  ach  ann  an  uaigneas  an 
fhasaich.     Ach  ged  nach  cluinnear  an  guth 


anns  na  sraidean,  agus  ged  nach  aithne  do'n 
mhor-chuideachd  eadhon  an  ainmean,  sud 
na  daoine  a  tha  ag  ullachadh  slighe  an  Tigh- 
earna  agus  a'  suidheachadh  bunaitean"  a 
rioghachd  air  thalamh. 

Thug  Ardrishaig  tiodhlac  maith  do  aobhar 
an  t-soisgeil  anns  an  linn  so,  Seumas 
Chalmers  do  na  h-eileanan  mu  dheas,  agus 
Domhnull  Friseal  do  Africa.  Tha  seann 
chairdeas  eadar  na  h-iasgairean  agus  an 
soisgeul,  cairdeas  a  tha  iasgairean  na 
diithcha  a'  cumail  suas  fhathast,  air  chor 
agus  gu  robh  e  freagarrach  gu  leoir  gu'n 
tigeadh  abstoil  a  Loch  Finn. 

Thogadh  Seumas  Chalmers  ann  am  baile 
lonaraora,  agus  is  ann  anns  an  sgoil  Shabaid 
aig  Mghr.  Meikle,  ministir  na  h-eaglais  U.P., 
a  rinn  e  suas  inntinn  gu  rachadh  e  a  mach 
mar  shoisgeulaiche.  Leugh  Mghr.  Meikle 
do'n  chloinn  litir  a  bha  ann  an  leabhar  na 
h-eaglais  bho  shoisgeulaiche  ann  am  Fiji,  ag 
innseadh  mu  chinneach  borb  a  bhiodh  a'  mort 
dhaoine  los  am  feoil  itheadh,  agus  an  deidh 
dha  an  litir  a  leughadh  thubhairt  e  riutha, 
"  Co  aige  a  tha  fhios  nach  'eil  balach  air 
chor-eigin  an  so  an  diugh  a  theid  a  mach 
leis  an  t-soisgeul  thuca  !" 

Bhoidich  Seumas  Chalmers  'n  a  chridhe  gu 
rachadh  esan  ann,  ach  cha  d'innis  e  sin  do 
chach,  oir  cha  robh  fhios  aige  ciamar  a 
ghabhadh  e  deanamh.  Bha  a  pharantan 
bochd ;  cha  b'  urrainn  daibh  a  chur  do'n 
Oil-thigh,  is  cha  robh  doigh  aige  air  a' 
mhinistrealachd  a  thoirt  a  mach.  Ach  far 
am  bheil  an  toil  laidir  agus  an  cridhe  6g  is 
dochasach,  gheibhear  doigh  eadhon  air  na 
beanntan  a  charachadh,  agus  ged  a  b' 
fheudar  dha  faighidinn  a  chleachdadh,  mu 
dheireadh  dh'  fhosgail  na  dorsan  roimhe, 
agus  ann  an  1866  sheol  e  a  Lunnainn  gvi 
Rarotonga,  aon  de  na  h-eileanan  anns  a' 
Phacific. 

Cha  'n  'eil  cuan  air  an  t-saoghal  anns  a 
bheil  uiread  eileanan  ris  a'  Phacific  mu 
dheas ;  eileanan  an  aigh  far  am  bheil  blaths 
is  toradh,  gun  ghrain  gun  diu  idir  annta 
ach  a  mhain  na  daoine  a  tha  'g  an  aiteachadh. 
Theagamh  gur  e  an  t-eilean  as  fhearr  is 
aithne  do  mhuinntir  na  duthcha  so,  Samoa, 
an  t-eilean  ani:is  an  do  rinn  R.  L.  Stevenson 
a  dhachaidh  ann  an  deireadh  a  laithean, 
agus  far  an  do  sgriobh  e  cuid  de  na  sgeul- 
achdan  gasda  a  dh'  innis  Calum  na  Croige 
dha  an  uair  a  bha  e  anns  an  Ros  Mhuileach. 
Ged  nach  robh  R.  L.  Stevenson  ro  thoigheach 
air  ministearan  no  air  eaglaisean  bha  meas 
mor  aige  air  Seumas  Chalmers.  An  deidh 
dhaibh  tachairt  air  a  cheile  thall  air  taobh 
eile  an  t-saoghail  sgriobh  Stevenson  dhach- 
aidh, "  Cha  b'  urrainn  do  dhuine  air  an 
t-saoghal  eolas  a  chur  air  Seumas  Chalmers 


gun  ghaol  a  ghabhail  air.  Tha  gu  leoir  de 
fhailingean  ann,  coltach  ruinn  uile,  ach  tha 
e  cho  mbr  ri  eaglais."  Ciod  a  b'  fhearr  a 
b'  urrainnear  a  radh  mu  dhuine  air  bith  na 
sin,  oir  tha  an  eaglais  'n  a  fianuis  air  na 
nithean  a  tha  fior  is  urramach  is  u>^sal. 

Tha  moran  dhaoine  an  duil  nach 
'eil  dad  r'a  dheanamh  aig  soisgeulaichean 
am  measg  nan  cinneach  ach  am  Biobull 
a  leughadh  agus  a  mhineachadh  dhaibh.  Ach 
m'  an  gabh  am  Biobull  a  bhi  air  a  leughadh 
dhaibh,  feumaidh  e  a  bhi  air  a  thionndadh 
do'n  chanain  a  tha  iad  a'  bruidhinn,  agus 
m'  an  gabh  sin  deanamh  feumaidh  an 
soisgeulaiche  a  chanain  ionnsachadh.  Anns  na 
duthchannan  ud  feumaidh  an  soisgeulaiche 
fichead  ceaird  a  bhi  air  a  laimh  ;  tha  e  'n  a 
mhinistir,  'n  a  mhaighstir  sgoil,  'n  a  shaor, 
'n  a  ghobhainn,  'n  a  mhai'santa,  'n  a  bhaill- 
idh,  'n  a  dhotair.  A  thuilleadh  air  inn- 
leachdan  eile  a  ghabh  Seumas  Chalmers  air 
na  daoine  ud  a  theagasg  thoisich  e  air 
paipear-naigheachd  a  dheanamh  air  an  son 
le  lamhan  fhein.  Cha  robh  am  paipear-. 
naigheachd  mor  gun  teagamh,  ach  bha  e  mor 
gu  leoir  airson  nan  droch  sgoilearan  a  bhiodh 
'g  a  leughadh.  Theagaisg  e  na  boirionnaich 
ann  am  banachas-tighe,  agus  na  firionnaich 
ann  an  obair  fearainn,  ach  cha  robh  e  fur- 
asda  dha  leigheas  fhaotainn  air  son  na  leisge 
a  bha  ceangailte  riu. 

An  deidh  dha  saothrachadh  deich  bliadhna 
ann  an  Rarotonga  chaidh  e  do  Phapua,  no 
mar  theirear  ris  mar  is  trice,  do  New 
•Guinea.  A  mach  o  Astralia,  is  e  Papua 
■eilean  as  motha  air  an  t-saoghal ;  tha  e  a 
thri  uiread  Bhreatuinn.  Tha  aon  abhainn 
ann  a  tha  se  ceud  mile  air  fad,  agus  tha  an 
t-eilean  uile  gu  leir  cho  maith  a  thaobh  side 
is  gruinnd,  's  nach  robh  ann  an  tir  a' 
gheallaidh  ach  fonn  bochd  laimh  ris.  Ach 
bha  an  sluagh  fad  air  an  ais ;  aig  an  ire  anns 
an  robh  Breatunn  an  uair  a  bha  ar  n-aith- 
richean  a'  fuireach  anns  na  coiltean  agus  a' 
tighinn  beo  mar  na  beathaichean. 

Cha  robh  eolas  aca  air  an  t-saoghal  neo- 
fhaicsinneach  ach  a  mhain  so,  gu  robh  iad  a' 
■creidsinn  gu  robh  e  Ian  de  dhroch  spioradan 
a  dh'  fhaodadh  cron  a  dheanamh  orra.  Ma 
bha  greim  de'n  loinidh  a'  tighinn  ann  an 
druim  seann  chaillich,  is  e  droch  spiorad  a 
bha  an  sas  innte;  ma  bha  cearc  no  muc  a' 
faotainn  a'  bhais  agus  gun  fiughair  ris,  is 
■e  droch  spiorad  air  chor-eigin  a  bha  a' 
Tiochdadh  a  mhioruin  do'n  teaghlach.  Bho 
am  breith  gu  am  bas,  bha  iad  fo  dhaorsa  an 
«agail ;  eagal  aig  aon  bhaile  roimh  bhaile 
■eile ;  eagal  air  gach  duine  roimh  a  choimh- 
earsnach ;  agus  eagal  orra  uile  roimh  na 
spioradan  neo-fhaicsinneach  a  bha  'g  an 
cuartachadh.       Do  dhaoine  a  bha  fo  bhuaidh 


eagail  mar  bha  na  daoine  ud,  cha  robh  e 
furasda  do  Sheumas  Chalmers  creideamh  a 
dhusgadh  'n  an  cridheachan  ann  an  Dia 
trocaireach  is  gradhach.  Bha  e  do-chreid- 
sinn  le  "moran  diubh  nach  robh  Athair  nan 
spioradan  a'  gabhail  thachd  ann  an  cron  a 
dheanamh  air  cloinn-daoine;  theireadh  iad 
nach  b'  fhiach  dha  cumhachd  a  bhi  aige  mur 
faodadh  e  cluich  le  daoine  mar  a  chluicheas 
an  cat  ri  luch.  Ach  a  mheud  dhiubh  's  a 
chreid  an  soisgeul,  bha  iad  air  an  saoradh 
bho  chumhachd  an  eagail,  agus  air  an  saor- 
adh cuideachd  bho  na  droch  cleachdanna  a 
bha  aig  an  aithrichean. 

B'e  an  cleachdadh  a  b'  uamhasaiche  a  bha 
aca  uile  gu  leir,  gu'm  biodh  iad  ag  itheadh 
feoil  dhaonda.  B'  fhearr  leo  i  na  sitheann. 
A'  cheud  tigh  anns  an  d'  fhuirich  Chalmers, 
gus  am  biodh  tigh  dha  fhein  air  a  thogail, 
bha  na  ballachan  aige  air  a  dheanamh 
riomhach  le  claiginn  dhaoine.  Cho  luath  's 
a  chaidh  e  air  tir  bha  sgaoth  dhiubh  mu'n  cu- 
airt  air,  le  boghachan  is  saighdean  is  sleagh- 
an  'n  an  lamhan,  ag  iarraidh  air  a  sporan 
a  liubhairt  air  neo  gu'm  mortadh  iad  ©.  Dh' 
fheumadh  deagh  chridhe  a  bhi  aig  duine  gus 
a  larach  a  sheasamh  am  measg  dhaoine  de'n 
t-seorsa  sin,  ach  bha  sin  aig  Chalmers,  agus 
thubhairt  e  riu  anns  an  aodann,  nach  robh 
eagal  no  giorag  air  romhpa.  Thubhairt  e 
gu'n  d'  thainig  e  thuca  mar  charaid  le  deagh 
sgeul  an  t-soisgeil ;  gu'n  d'  thainig  e  gun 
armachd  cuideachd.  Chuir  so  air  an  ais 
ia,d,  oir  tha  freumh  beag  de'n  uaisle  anns 
a'  choguis  nadiirra,  ged  nach  biodh  a,'  chog- 
uis  ach  ann  an  com  trusdair. 

Uigh  ar  n-uigh  dh'  fhas  e  eolach  air  gne 
is  doighean  nan  daoine,  agus  dh'  fhas  iadsan 
eolach  air  an  duine  gheal.  Ach  ged  a  bha 
an  fheadhainn  a  ghabh  ris  an  t-soisgeal, 
anabarrach  dileas  dha,  cho  dileas  's  gu'n 
dionadh  iad  e  gu  bas,  dh'  fheumadh  e 
daonnan  a  bhi  'n  a  earalas  air  each.  A 
h-uile  uair  a  rachadh  e  do  bhaile  ur,  bha  e 
a'  ruith  cunnairt,  air  chor  agus  gu'm  feum- 
adh  e,  a  la  agus  a  dh'  oidhche,  suil  a  bhi  ann 
an  cul  a  chinn.  Bha  iad  uile  'n  am  meirlich ; 
cha  mhor  nach  tugadh  iad  dheth  an  t-aodach 
a  bha  viime.  Bha  da  ni  a  bhiodh  e  a' 
gleidheadh  'n  a  phocannan  air  son  a  thoirt 
daibh,  tombaca  is  salann.  Bheireadh  iad 
an  leth  shuil  air  crioman  tombaoa,  agus  b' 
fhearr  leo  greim  salainn  na  siiicar.  Bhiodh 
diadhairean  na  h-eaglais  a  chuir  a  mach 
Chalmers  do  Phapua  air  uairean  a'  gearan 
gu  robh  e  a'  cosg  tiiilleadh  's  a  choir  de 
thombaca,  ach  bha  an  tombaca  'na  mheadhon 
air  gean-maith  a  chosnadh  dha  bho  dhaoine 
nach  bu  mhaith  dha  a  bhi  'n  an  eisiomail 
an  uair  a  bhiodh  an  Carghus  orra.  Bha 
an  sluagh  borb  is    fuilteach    gun    teagamh. 


ach  bha  Chalmers  'n  a  dhuine  cho  cairdeil 
'&  gu'n  do  tharruing  e  thuige  fhein  iad  gu 
h-iongantach.  Cha  robh  fiughair  aige  gu'm 
faicteadh  nilorbhuilean  ann  am  Papua,  no 
gu'n  tachradh  ann  ionghnaidhean  mar  a 
thachair  air  la  na  Caingis;  bhiodh  e  ag  radh 
nach  robh  doigh  eile  air  na  h-eileanan  ud 
a  chosnadh  do  Chriosd  ach  an  aon  doigh  so, 
teachdairean  Chriosd  a  bhi  nochdadh  gradh 
is  irioslachd  am  Maighstir  'n  am  beatha 
f^in.  Far  am  bheil  an  siol  sin  air  a  chur 
bidh  fas  is  cinneas  daonnan. 

Ann  an  1886  thainig  e  air  ais  do'n  duth- 
aich  so,  air  iarrtus  a'  chomuinn  a  chuir  a 
mach  e.  Cha  robh  e  fhein  air  son  tighinn 
a  nail  idir,  oir  bha  e  an  dull  gu  robh  e  air 
fas  tuilleadh  is  ooltach  ris  na  daoine  a  bha 
e  'n  am  measg,  agus  gu  robh  e  an  deidh 
modhannan  na  h-Alba  a  cball,  'n  a  bhiadh 
agus  'n  a  aodach.  Ach  bha  an  Comunn  air 
son  cothrom  a  thoirt  dha  stad  d'a  obair  fad 
bliadhna,  lagus  cothrom  a  thoirt  daibh  fein 
seanchas  a  dheanamh  ris  agus  a  bheachd 
fhaotainn  air  nithean  a  bhuineadh  do  aobhar 
an  t-soisgeil  air  feadh  an  t-saoghail.  B'e 
sud  a.'  bhliadhna  gun  fhois  do  Sheumas 
Chalmers  !  Air  feadh  na  rioghachd  uile  bha 
na  miltean  a  bha  air  son  fhaicinn  agus  a 
chluinntinn,  oir  bha  iad  a'  cluinntinn  bho 
chionn  bhliadhnachan  bho  luchd-turuis  a 
thainig  air  an  ais  as  na  h-eileanan  mu  dheas 
mu'n  obair  a  bha  an  soisgeulaiche  so  a' 
deanamh  am  measg  nan  cinneach  ann  am 
Papua,  na  doighean  neonach  a  bha  aige  air 
an  riaghladh,  agus  an  t-ughdarras  a  bha 
aige  'n  am  measg.  B'  fheudar  dha  dol 
troimh  na  bailtean  mor,  a  dh'  innseadh  do 
dhaoine  m'a  obair,  agus  troimh  bhailtean 
beaga  cuideachd.  Ann  an  lonaraora 
thainig  ochd  ceud  duine  a  mach  a  dh'  eisd- 
eachd  ris,  agus  Mac  Cailein  fhein  air  an 
ceann. 

Bha  Breatunn  a'  tagar  coir  air  pairt  de 
eilean  Phapua,  agus  a  thaobh  's  gu  robh 
Seumas  Chalmers  'n  a  righ  beag  anns  an 
aite  co-dhiu,  thairg  luchd-comhairle  na  Par- 
lamaid  posta  dha  ann  an  seirbhis  na  Banrigh 
ann  am  Papua.  Ach  cha  ghabhadh  e  e;  b' 
fhearr  leis  dol  air  ais  mar  shoisgeulaiche. 
Bha  e  cinnteach  nach  'eil  rud  air  an  t-saoghal 
cho  cumhachdach  gus  daoine  a  thogail  as  an 
dorchadas  agus  as  an  aineolas  ris  an  t- 
eoisgeul,  agus  bhiodh  e  ag  radh  cuideachd, 
gu'm  bu  mhaith  do  Bhreatunn  na'n  cuireadh 
i  a  soisgeulaichean  a  dh'  ionnsuidh  nan 
duthehannan  thall  m'an  cuireadh  i  a  mach 
thuca  a  marsantan,  agus  a  saighdearan,  is 
daoine  eile  a  tba  air  thoir  an  fhortain.  Cha 
'n  'eil  teachdairean  an  t-soisgeil  iomlan  na's 
mo  na  daoine  eile,  ach  co  dhiu  cha  'n  ann 
air  ghaol  buannachd  a  tha  iad  a'  dol  a  mach  ; 
cha   'n   ann   a   reic  uisge-bheatha,   no  calico 


grod,  no  gunnachan,  no  opium,  ach  a  thoirt 
daibh  focal  na  beatha.  Eadhon  ann  am: 
Papua  b'e  deoch  laidir  namhaid  a  bu  mhiosa 
a  thachair  air  Seumas  Chalmers.  Bha  uisge- 
beatha  Bhreatuinn  air  a  chur  a  mach  thuca,. 
a  chur  cuthach  anns  na  h-eanchainnean  aca. 
Gheibh  an  deoch  buaidh  daonnan  air  an 
duine  dhubh,  oir  tha  e  cho  neo-stuama  ri 
paisde.  Ach  ciod  a  theirear  ris  an  duine 
gheal  a  chumas  ris  an  duine  dhubh  na  dh' 
olas  e,   air  ghaol  na  sgillinn ! 

Na  coig  bliadhnachan  mu  dheireadh  a  bha 
e  thall  dh'  fhuiling  e  moran  trioblaid  'n  a 
thigh,  agus  'n  a  bhoidhig,  agus  'n  a  inntinn. 
Bha  a  bhean  tinn ;  bha  loinidh  is  fiabhrus  'ga 
phianadh  fhein,  agus  bha  an  obair  trom 
trom.  Bha  e  a'  dol  am  measg  threubhan 
coimheach,  a'  feuchainn  ri  dorsan  ura  fhos- 
gladh  do'n  t-soisgeul,  ach  bha  na  treubhan 
gin  fuar  is  borb  ris.  Air  uairean  bhiodh  © 
fhein  agus  a  bhean  da  cheud  mile  o'n  duine 
gheal  a  bu  dluithe  dhaibh,  air  an  cuartach- 
adh  le  daoine  as  nach  b'  urrainn  daibh 
earbsa  a  chur  aon  mhionaid.  Dh'  fheumadb 
e  lair  uairean  a  shuilean  a  chumail  fosgailte 
an  uair  a  bhiodh  e  ag  urnuigh,  air  eaga-I 
gu'n  cuireadh  duine  de  na  bha  'ga  eisdeachd 
saighead  ann,  no  gu'm  buailteadh  tuagh  air 
anns  a'  cheann. 

Ann  an  1900  shiubhail  a'  bhean;  dh'  <fhag 
sin  e  aonaranach  gun  chompanach,  ach  cha 
b'  fhada  a  bha  iad  dealaichte,  oir  bha  e 
fhein  air  a  mhort  an  ath  bhliadhna.  Tha  e 
coltach  gu'n  deachaidh  cuid  de  na  treubhan 
borb  ud  ann  an  co-bheinn,  gu'm  marbhadh 
iad  na  daoine  geala;  fhuair  iad  coth'rom  air 
Chalmers  agus  duine  eile  a  bha  comhla  ris, 
agus  mhort  iad  iad.  Thug  iad  an  cuirp  do 
na  mnathan  gus  am  bruich  agus  an  itheadh. 
Chuir  Breatunn  long-chogaidh  a  mach  'g  am 
peanasachadh,  agus  ann  an  aon  de  na  bailt- 
ean anns  an  deachaidh  na  seoladairean  air 
tir  fhuair  iad  deich  mile  claigeann.  Bail© 
nam  mortairean  da  rireadh. 

Ach  ged  tha  Seumas  Chalmers  marbh,  tha 
©  fhathast  a'  labhairt.  Tha  e  a'  labhairt  ri 
daoin©  oga  gu  sonruichte ;  agus  is  e  so  a  tha 
e  ag  radh  riu,  nach  'eil  seirbhis  air  an  t- 
saoghal  cho  urramach  ri  seirbhis  a  dheanamh 
do  rioghachd  Dhe,  agus  gur  e  na  daoine  as 
fhiach  am  moladh,  na  daoine  a  tha  toileach 
cruadal  fhul^ng  lair  sgath  Chriosd. 

An  uair  a  chaidh  an  naigheachd  a  mach 
gu'n  do  mhortadh  e  thairg  fear  de  na  bha  air 
am  iompachadh  leis  ann  an  Rarotonga  dol 
do'n  bhaile  anns  an  do  mharbhadh  e,  agus 
a  bheatha  a  chur  seachad  ann,  a  chur  iomp- 
aidh  orra  aithreachas  a  dheanamh  agus 
gabhail  ris  an  t-soisgeul.  Sin  mar  tha  an 
eaglais  a'  fas,  air  a  togail  air  fuil  nam 
martarach. 


Air.  2. 


1924. 


AN  DIADHAIDHEACHD  FHIORGHLAN. 


Is  i  so  an  diadhaidheachd  fhiorghlan  agus 
neo-shalach  am  fianuis  Dhe  agus  an  Atliar, 
dilleacJidain  fhiosrachadh  'n  an  triohlaid. — 
Seumas,  i   27 . 

Air  la  Nollaig  anns  an  eagiais,  agus  sinn 
cruinn  gu  bhi  toirt  molaidh  do  'n  Tighearna 
gu'n  do  rugadh  an  leanabh  naomh  ann  am 
Betlehem,  ohruinnich  sinn  suim  airgid  agus 
chuir  sinn  e  gus  na  Tighean-fasgaidh  aig 
Quarrier  aig  Drochaid-Weir,  far  a  bheil  e 
a'  deanamh  obair  mhor  is  iongantach  air 
son  cloinne  a  chaill  am  parantan.  An  cois 
na  litreach  a  thainig  air  ais  thugainn  air  son 
ar  tabhartais,  bha  leabhar  beag  anns  a  bheil 
cunntas  air  a  thoirt  air  obair  na  h-iochd  a 
tha  dol  air  aghaidh  aig  Drochaid-Weir.  An 
raoir  fhein  leugh  mi  an  leabhar  so,  agus  bu 
mhaith  learn  iomradh  a  dheanamh  air  anns 
an  aireamh  so,  an  dochas  gu'n  cuidich  an 
fbeadhainn  sin  d'ar  luchd-leughaidh  as  urr- 
ainn  a  dheanamh,  agus  nach  'eil  'ga  dhean- 
amh cheana,  an  obair  Chriosdail  so. 

Anns  a'  bhliadhna  1874  thainig  D.  L. 
Moody  a  nail  do  'n  duthaich  so,  agus  ann 
an  lorg  a  theachd  bha  diisgadh  ann  an 
Albainn  a  dh'  ath-bheothaich  na  h-eaglaisean 
uile ;  diisgadh  a  dh'  fhag  toradh  'na  dheidh 
a  chithear  gus  an  la  an  diugh.  Tha  e  air 
a  radh  gu'n  d'  thug  an  diisgadh  sin  do'n 
eagiais  Shaoir  na  foirfich  a  b'  fhearr  a  bha 
riamh  aice,  agus  gur  e  Moody  a  shabhail  i 
o'n  tiormachd  a  bha  bagairt  oirre  an  uair 
a  thoisich  a  ministearan  air  an  sgoilearachd 
iir.  Biodh  sin  mar  a  bhitheas  e,  ach  co  dhiu 
b'e  1874  bliadhna  na  saorsa  agus  na  slainte 
ann  an  Albainn. 

An  uair  a  thainig  D.  L.  Moody  do  Ghlaschu 
bha  e  air  a  bhioradh  'n  a  chridhe  le  seall- 
aidhean  a  chunnaic  e  air  na  sraidean,  clann 
bheag  is  neul  an  acrais  air  an  aodainn,  gun 
stiall  de'n  aodach  orra,  cas-riiisgte  is  ceann- 
ruisgte.  Ghairm  e  coinneamh  ach  an  gabh- 
adh  dad  deanamh  air  an  son.  Am  measg 
nan  daoine  a  chaidh  do'n  choinneamh  sin 
bha  Uilleam  Quarrier,  duine  aig  an  robh 
gaol  air  na  leanaban,  agus  a  bha  cheana  a' 
deanamh  a  dhichill  gus  cobhair  a  thoirt 
daibh.  Bho  thainig  e  gu  ire  duine  bha  e 
'na  inntinn  toiseachadh  air  na  dilleachdain 
a  thearnadh  le  dachaidh  iir  a  thoirt  daibh 
ann  an  Tighean-fasgaidh  a  bhiodh  air  an 
togail  air  an  son.  Dh'  innis  e  do  chach  ciod 
a  bha  'n  a  inntinn,  agus  thug  iad  uile  am 
beannachd  dha.  Cheannaich  e  da  fhichead 
acair  de  fhearann  aig  Drochaid-Weir,  agus 
thoisich  e  air  na  Tighean-fasgaidh  a  tkogail, 
a    reir  mar  bha  comag  aio:e  dol  air  aghaidh. 


Ann  am  beagan  bhliadhnachan  bha  deich 
Tighean  aige,  agus  iad  uile  Ian  de  chloinn. 
Ach  a  h-uile  bliadhna  bha  an  obair  a'  fas, 
is  bha  daoine  caomhail  eile  'ga  chuideachadh 
cho  fialaidh  's  nach  b'  fhada  gus  am  b' 
fheudar  dha  tuilleadh  fearainn  a  cheannach. 
Dh'  fhas  an  aon  bheag  'na  mile,  agus  na 
deich  tighean  'n  am  baile  mor,  oir  luathaich 
an  Tighearna  an  obair  'na  thrath.  An 
diugh  tha  oighreachd  bheag  aca,  se  fichead 
deug  acair  air  a  bheil  tri  fichead  's  a  coig 
deug  de  thighean,  agus  corr  air  da  mhile 
duine  annta.  A  thuilleadh  air  fasgadh  a 
thoirt  do  dhilleachdain  agus  do  chloinn  eile 
a  tha  gun  chiil-taice  tha  na  tighean-didein 
so  a'  gabhail  ri  truaghain  eile,  ri  daoine  air 
a  bheil  caitheamh  no  an  tinneas-tuiteamach 
agus  nach  h-urrainn  an  aire  a  thoirt  daibh 
fein. 

•  Gus  an  obair  mhaith  so  a  chumail  air  a 
h-aghaidh  tha  £70,000  a  dhith  orra  a  h-uile 
bliadhna,  ach  ged  a  tha  an  t-suim  mor,  tha 
iad  a'  faotainn  an  airgid  gu  reidh,  agus  cha 
robh  iad  riamh  ann  an  ainbheach.  Coltach 
ri  Seoras  Miiller  a  bha  ann  am  Bristol,  agus 
ri  Mairi  Slessor  a  bha  'n  a  soisgeulaiche  ann 
an  Calabar,  cha  'n  'eil  iad  a'  gabhail  doigh 
shonruichte  air  bith  air  an  airgiod  so  a 
thrusadh  ach  a  mhain  gu  bheil  iad  'g  a  iarr- 
aidh  air  Dia  ann  an  urnuigh,  agus  tha  an 
iarrtus  air  a  thoirt  daibh.  Tha  mor  an 
dhaoine  ann  nach  creid  facal  dheth  so,  a 
shaoileas  nach  'eil  ann  ach  faoineas  no 
eadhon  ladarnas  ar  taic  a  leigeil  ri  Dia  anns 
an  doigh  so  agus  ar  ciiisean  fhagail  'n  a 
lamhan.  Tha  fhios  agam  gle  mhaith  nach 
cuireadh  dad  a  b'  urrainn  mise  a  radh  riu 
as  am  beachd  iad,  agus  mar  sin  cha  teid  mi 
ann  an  argumaid  riu,  ach  is  e  so  aon  ni  a 
their  mi,  nach  ann  aig  na  t-anacreidich  a 
tha  am  fiosrachadh  as  fhearr  air  doighean  is 
oumhachd  an  Tighearna  ach  aca-san  a  tha 
cur  an  uile  earbsa  ann.  "  Tha  run-diomh- 
air  an  Tighearna  aca-san  d'an  eagal  e." 
Duine  a  tha  a  chridhe  socruichte  air  Dia^ 
agusi  'anam  aonaichte  is  coisrigte  d'a  sheir- 
bhis,  sin  agad  duine  a  chuireas  beanntan  as 
an  rathad  le  urnuigh. 

Uile  gu  leir  fhuair  corr  is  seachd  mile  deug 
de  chloinn  (17,824)  dachaidh  bhlath  is  oilean- 
achadh  diadhaidh  anns  na  Tighean  so,  agus 
dhiubh  sin  bha  6.607  air  an  cur  a  mach  do 
Chanada,  a  dhol  air  ceann  an  cosnaidh. 
Shoirbhich  an  saoghal  gu  maith  le  cuid 
dhiubh,  agus  a  h-uile  bliadhna  tha  iad  a' 
cuimhneachadh  nan  Tighean-fasgaidh  aig 
Quarrier,  a  thog  as  a'  chlabar  iad  agus  a 
shocruich  an  casan  air  a'  charraig.  Bho 
gach   diithaich  fo'n  ghrein,    agus    leis    gaeh 


6 


P'osta,  tha  litrichean  de  'n  t-se6rsa  so  a'  tigh- 
inn  gu  Drochaid-Weir  o  dhaoine  aig  a  bheil 
spiorad  Chriosd  'n  an  cridhe. 

Hankow  ann  an  China. 

"  Tha  mi  a'  cur  thugaihh  coig  puinnd 
Shasunnach  le  mo  hheannachd.  Na  hithihh 
aig  an  dragh  fios-freagairt  a  thoirt  do'n 
litir  so,  oir  cha  'n  aithne  dhuihh  mi  agus 
cha  'n  aithne  dhomhsa  sibhse.  Ach  chuala 
m,i  mu  'n  ohair  a  tha  sibh  a'  deanamh  as 
leth  na  cloinne,  agus  hu  mhaith  learn  heagan 
cuideachaidh  a  dheanamli  leihh." 

Is  e  so  obair  an  Tighearna,  da-rireadh ; 
obair  a  dh'  fhaodas  a  bhi  air  a  h-ainmeach- 
adh  maille  ris  na  h-iongantasan  a  leiighar 
ann  an  Gniomharan  nan  abstol,  toradh  an 
Spioraid  Naoimh.  Tha  cuiniline  agaibh  air 
an  fhacal  a  thubhairt  Lucas  ann  an  toiseach 
an  leabhair  sin,  "  na  nithean,"  ars'  esan, 
"  a  thoisich  Criosd  air  a  dheanamh." 
Thoisich  obair  Chriosd  bho  chionn  dluth  air 
da  mhile  bliadhna,  ach  cha  do  sguir  i  fhathast 
agus  cha  sguir  i  gu  brath  gus  am  bi  toil  Dhe 
air  a  deanamh  air  an  talamh  mar  tha  i  air 
a  deanamh  ann  an  neamh.  Cha  'n  e  toil 

Dhe  gu'm  biodh  paisdean  a'  fulang  an 
acrais,  ach  ciod  am  meadhon  a  tha,  aig  Dia 
air  a  thoil  a  chur  an  gniomh  ach  lamhan 
caomhail  is  cridheachan  fial  a  shluaigh?  "  Is 
mise  an  fhionain,"  arsa  Criosd,  "  agus  is 
sibhse  na  geugan."  Tha  am  facal  sin  domh- 
ain  is  brioghnxhor,  agus  tha  e  a'  oiallachadh 
rud  no  dha,  ach  am  measg  nithean  eile  tha 
6  a'  ciallachadh  so,  gur  e  luchd-leanmhuinn 
Chriosd  an  diugh,  ann  an  da-rireadh,  a 
lamhan  agus  a  chasan  leis  a  bheil  an  Slan- 
uighear  a'  dol  a  mach  air  thurusan  na 
trooair.  M!a  tha  cridheachan  .sipiocaoh 
againne,  is  lamhan  duinte,  is  casan  mall, 
nach  'eil  sinn  a'  cumhannachadh  trocair  an 
Tighearna,   agus  a'  cur  bacadh  air  'obair? 

Tha  an  sean-fhacal  ag  radh  nach  cron  e 
ann  an  duine  a  bhi  fial,  agus  tha  an  soisgeul 
ag  radh  an  ni  ceudna.  Cha  toigh  le  Dia 
daoine  beag  cumhann  spiocach  nach  smuain- 
ich  latha  's  a'  bhliadhna  ach  orra  fhein, 
ach  is  toigh  leis  daoine  anns  a  bheil  iochd. 
Tha  e  fein  lochmhor  is  uasal,  agus  ghradh- 
aich  e  an  saoghal  cho  mor  's  gu'n  d'  thug  e 
seaohad  a  Mbao. 

Tha  iomadh  doigh  ann  anns  am  faod 
duine  spiorad  na  diadhaidheachd  a  nochdadh, 
ach  dha  'n  aithne  dhomhsa  doigh  as  fhearr 
na  'n  doigh  a  chomhairlich  an  t-abstol 
Seumas  duinn  an  uair  a  thubhairt  e,  "  Is  e 
so  an  diadhaidheachd  fhiorghlan  agus  neo^ 
shalach  am  fianuis  Dhe  agus  an  Athar, 
dilleachdain  fhiosrachadh  'n  an  trioblaid." 
Ma  shoirbhich  Dia  leat,  a  leughadair,  agus 
gur  h-urrainn  duit  a  dheanamh,  cuir  do 
lamh  'n  ad  phoca  agus  thoir  cuideachadh  do 
na   doine   a   tha  cuideachadh   nam   paisdean 


anns  na  Tighean-fasgaidh  aig  (^uarrier  ann 
an   Drochaid-Weir. 


ANNS    A    CHATHAIR. 

Tha  mi  dol  a  dh'  innseadh  dhuibh  naigh- 
eachd  a  tha  gle  neonach,  ach  air  eagal  gu'n 
saoil  sibh  gur  e  Calum  na  Croige  a  dh'  innis 
dhomh  fhein  i,  bu  mhaith  learn  a  radh  nach 
6  idir  ach  Seonaid  Eachainn.  Agus  o6 
urrainn  as  fhearr  na   Seonaid? 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne    agaibh    gu'n 
d'  innis  mi  dhuibh  an  uiridh  gu  robh  an  t- 
Urr.       Niall     Mac    Pharlain,     B.D.,     air     a 
shuidheachadh  ann  an  Cille-Sgumain.      Cha 
chuala  mise  riamh  e  a'  searmonachadh.  ach 
bidh  mo  sheann  bhan-oharaid,  Seonaid  Each- 
ainn,  ag  innseadh  dhomh  gu  bheil  e  anab- 
arrach  cuimseach  leis  na   sean-fhacaiL    agus 
gu'm  bi  e  daonnan  'g  an  uisneachadh  anns 
an  t-searmon  Ghaidhlig.       Air  feasgar  Sab- 
aid,  aig  an  am  anns  an  robh  an  duthaich  a' 
taghadh  bviill  na  Parlamaid,  bha  e  a"   sear- 
monachadh air  a'  cheann-teagaisg,  "  Bithidh 
eolas  agaibh    air    an    fhirinn,    agus    ni    an 
fhirinn  saor  sibh,"  agus  am  measg  nithean 
eile  a  thubhairt  e,  dh'  aithris  e  an  rann  so, 
Tha   'n  fhirinn  gu  cliuteach  sona, 
Cha  chron  air  duine  bhi  fial, 
'S  fhearr  beagan  anns  an  onoir 
Na  'n  donas  is  ceithir  cheud. 

Co  a  bha  'n  a  shuidhe  ann  an  eaglais  Chille- 
Sgumain  air  an  fheasgar  ud  ach  Sir  loctan 
Nimrod,  sealgair  cumhachdach  an  lathair  an 
Tighearna,  agus  e  air  tighinn  a  nail  as  an 
Oban  a  ghleidheadh  coinnimh  ann  an  Cille- 
Sgumain,  oir  bha  e  ag  iarraidh  a  steach  do'n 
Pharlamaid. 

Bha  Sir  loctan  moran  na  b'  eolaiche  air 
balgairean  is  cearcan-fraoich  na  bha  e  air 
riaghladh  na  duthcha,  agus  na'n  leighteadh 
leis,  b'e  Tigh  nan  Cumantan  an  t^aite  mu 
dheireadh  air  thalamh  a  dh'  iarradh  e  dol 
ann.  B'  fhearr  leis  aon  la  a'  ruagadh 
shionnach  na  mile  la  ann  an  cuirtibh  na 
Parlamaid.  Ach  chuir  daoine  eile  an  cinn 
r'a  cheile  agus  chuir  iad  romhpa  gu'm  feum- 
adh  Sir  loctan  dol  do'n  Pharlamaid,  a 
chumail  Lompaireachd  Bhreatuinn  air  a 
casan  agus  a  chumail  nam  Bolseabhaicean  fo 
smachd.  Bha  deagh  charaid  's  a'  chiiirt  aig 
na  daoine  sin  anns  a'  mhnaoi  aig  Sir  loctan, 
oir  bha  a  cridhe-se  an  geall  air  faotainn  do 
Lunnainn,  agus  mar  sin  bha  an  duine  truagh 
eadar  a'  bhaobh  's  a'  bhuarach.  Mu  dheir- 
eadh dh'  aontaich  e  leo,  agus  ann  an  nine 
ghioirid,  bha  e  anns  a  h-uile  paipear  naigh- 
eachd  anns  an  duthaich  gu  robh  Sir  loctan 
Nimrod  a'  faireachduinn  gu  robh  na  h- 
amannan  cho  cunnartach  agus  cor  an  luchd- 
oibre  cho  cruaidh  's  nach  b'  urrainn  da 
fuireach  'n  a  thosd.  B'e  sin  an  t-aobhai-  gu 
robh  e  a  nis  'ga  thairgsinn  fhein  do  Shiorr- 


amachd  Rabhasda,  ag  iarraidh  gu'n  cuireadh 
iad  suas  do'n  Pharlamaid  e. 

An  sin  thoisich  na  cuibhlean  air  dol  mu'n 
ouairt;  anns  na  paipearan  naigheachd,  aii' 
ballachan  nan  tighean  anns  na  sraidean,  air 
dorsan  eaglaisean  is  cheardach,  air  craobhan 
ri  taobh  an  rathaid  mhoir,  bba  dealbli  Shir 
loctain  air  a  chrochadh  agus  a  bhuadhan 
comasach  air  an  cur  an  ceill.  Cha  robh 
fhios  aige  air  an  t-saoghal  co  a  bha  deanamh 
sin;  ach  eadar  luchd-lagha,  is  luchd-labhairt, 
is  gillean-freasdail,  is  gillean-ruith,  is 
gillean-gnothuich,  is  pearsachan  eile  a  bha 
air  son  an  gob  a  chur  anns  a'  phoit,  mar  a 
■chruinnicheas  na  h-iolairean  a  dh'  ionnsuidh 
na  closaich,  bha  reiseamaid  de  dhaoine  beaga 
-a'  cur  nan  cuibhlean  mu'n  cuairt,  agus 
fiughair  aca  uile  ri  paigheadh.  Cha  robh  aca 
ach  aon  phort,  Gu  ma  fada  beo  an  Righ !  Gu 
ma  fada  beo  Sir  loctan  ! 

B'  ann  air  feasgar  Diluain  a  bha  a' 
•ohoinneamh  aige  ann  an  Cille-Sgumain. 
Bha  an  tigh-sg'oil  Ian ;  am  Baillidh  anns  a' 
•chathair  agus  Tom  Eliot  r'a  ghualainn. 
Thuirt  an  Baillidh  gu'm  faodadh  iad  a  bhi 
uasal  asda  fhein  leithid  Shir  loctan  Nimrod 
fhaotainn  mar  bhall  Parlamaid  air  son  na 
Siorramachd,  duine  aig  an  robh  meas  air 
an  fhirinn  agus  air  an  onoir,  agus  ciod  eile 
a  bha  dhith  air  muinntir  na  duthcha  so  ach 
fir  inn  is  onoir?  "Duine  air  bith,"  ars' 
am  Baillidh,  "  a  bheir  d'a  luchd-duthcha  an 
fhirinn,  agus  an  fhirinn  uilfe,  agus  gun  dad 
ach  an  fhirinn,  mar  a  tha  Sir  loctan  a'  toirt 
daibh,  sin  an  duine  a  dh'  fhaodar  a  bhi 
cinnteach  gu'm  bi  e  air  a  thaghadh  leo." 

An  uair  a  sheas  Sir  loctan  air  beulaobh 
nan  daoine  bha  choslas  air  gu'n  do  chaill  e 
a'  chainnt.  Fad  da  mhionaid  cha  d'  thainig 
diog  as  a  bheul.  Shaoil  cuid  nach  robh  e 
gu  maith,  agus  shin  Tom  Eliot  do'n  Bhaillidh 
placaid  a  bha  aige  'n  a  phoca.  Ach  cha  robh 
feum  air  a'  phlacaid  :  cha  robh  dad  cearr  air 
Sir  lootan ;  cha  robh  e  ach  a'  deanamh  suas 
'inntinn.  Tha  e  ooltach  nach  'eil  e  idir  oho 
furasda  inntinnean  a  tha  air  an  oileanach- 
adh  ann  an  ruagadh  nan  sionnach  a  dhean- 
amh  suas  ri  inntinnean  eile. 

B'  fhearr  leis  nach  deachaidh  e  do'n 
•eaglais  an  raoir ;  bho  na  chual  e  an  rann 
nd  aig  Donnacha  Loudin  chaill  e  a  thlachd 
anns  an  da  oraid  a  dh'  ionnsaich  e  air  a 
theangaidh ;  bha  amharus  aige  nach  robh 
■cuisean  na  rioghaohd  idir  cho  soilleir  's  a 
bha  iad  air  an  deanamh  leis  an  fhear-lagha 
a  rinn  iad.  Dh'  fheuch  e  ri  eaglais  Chille- 
■Sgumain  a  chur  a  mach  as  'inntinn,  ach  a 
dh'  aindeoin  a  chridhe  bha  facal  an  abstoil 
Eoin  'g  a  ruagadh,  mar  a  bhiodh  e  fhein  a' 
ruagadh  nan  sionnach, — ni  an  fhirinn  saor 
Mhh — ,  agus  bha  Donnacha  Loudin  'g  a 
ruagadh  cuideachd, 


Tha   'n  fhirinn  gu  cliiiteach  sona, 
Cha  chron  air  duine  bhi  fial ; 
'S  fhearr  beagaij^  anns  an  onoir 
Na  'n  dofias  is  ceithir  cheud. 

Agus  a  nis  bha  am  fear-cathrach  aige  fhein, 
Baillidh  Chille-Sgumain,  air  taobh  nan 
abstol  agus  nam  bard,  is  tart  'n  a  anam  air 
sion  na  firinn.  "  Duine  air  bith,"  ars' 
esan,  "  a  bheir  dhuinn  an  fhirinn,  agus  an 
fhirinn  uile,  agus  gun  dad  ach  an  fhirinn, 
sin  an  duine  a  thaghar  leinn."  Fad  da 
mhionaid  bha  Sir  loctan  Nimrod  ann  an 
iom-chomhairle,  ach  an  sin  ghlan  e  a  chliabh 
agus  labhair  e. 

"  A  mhuinntir  Chille-Sgumain,  thug  mi 
an  aire  gu'n  do  bhuail  sibh  uile  'ur  basan 
an  uair  a  thuirt  am  Baillidh  nach  'eil  dad 
eile  a  dhith  oirbh  ach  an  fhirinn ;  sin  rud  a 
tha  furasda  gu  leoir  dhomhsa  a  thoirt  duibh. 
Tha  eagal  orm  gu'n  d'  thubhairt  na 
paipearan-naigheachd  gur  e  cor  truagh  na 
duthcha  a  tha  toirt  ormsa  seasamh  air  'ur 
beulaobh  an  drasd,  agus  gu  bheil  iad  ag  radh 
cuideachd  gu'm  bi  Breatunn  moran  na's 
soirbheachaile  na  tha  i  ma  chuireas  sibh 
mise  do'n  Pharlamaid.  Ach  na  biodh  dochas 
air  bith  agaibh  gu'n  teid  agam-sa  air  atharr- 
aohadh  a  dheanamh  anns  an  rioghachd  ged 
a  rachainn  do'n  Pharlamaid.  A  dh'  aon  ni, 
cha  'n  'eil  fhios  agam  ciod  an  t-atharrachadh 
a  tha  feumail,  agus  cha  mho  a  tha  fhios 
agaibhse,  oir  cha  'n  'eil  annainn  le  cheile 
ach  daoine  aig  nach  'eil  sgil  no  eolas  a  thaobh . 
riaghladh  na  rioghachd.  Tha  mise  a'  dol 
le  Mghr.  Stanley  Baldwin  ann  an  cuis  nan 
Tariffs,  ach  air  a  shon  sin,  cha  'n  'eil  fhios 
agam  c'  ar  eon  a  tha.  Tha  daoine  eagnaidh 
a  chuir  seachad  am  beatha  a'  feuchainn  ri 
obair  nan  Tariffs  a  thuigsinn  ag  innseadh 
dhuinn  nach  'eil  an  rud  idir  soilleir  dhaibh, 
ach  cha  do  chuir  misie  seaohad  uair  an  uair- 
eadair  riamh  a  meomhrachadh  air  a  chuspair 
so,  agus  tha  amharus  agam  nach  mo  a  chuir 
sibhse.  Ciod  am  feum,  mata,  a  tha  ann 
dhuinn  a  bhi  gabhail  feirg  mu'n  ghnothuch? 
Theagamh  gu'm  biodh  e  maith  do'n  duthaich 
Tariff  a  chur  air  meatagan  is  brogan ;  ach 
air  an  laimh  eile,  theagamh  nach  bitheadh. 
Co  aige  a  tha  fhios?  Anns  an  litir  a  chuir 
mi  'g  ar  n-ionnsuidh  an  la  roimhe  thuirt  mi 
gur  e  aon  de  na  ruintean  as  dluithe  do  m' 
chridhe  na  Bolseabhaicean  a  chumail  'n  an 
aite  fein,  agus  cothrom  a  thoirt  do'n  duine 
bhochd.  Ach  a  dh'  innseadh  na  firinn,  cha 
'n  'eil  fhios  agam  ciod  a  tha  sin  a'  ciallach- 
adh ;  cha  mhi  fhein  a  sgriobh  idir  e  ach  am 
fear-lagha,  agus  chuir  esan  anns  an  litir  e 
a  chionn  gu'n  sealladh  e  gu  maith  ann  an 
suilean  na  duthcha,  mise  a  bhi  air  taobh  an 
duine  bhochd  agus  an  aghaidh  nam  Bol- 
seabhaicean. Ach  CO  iad  na  Bolseabhaicean* 
no  ciod  an  t-ana-cothrom  a  tha  air  a  dhean- 


amh  air  an  duine  bhochd,  cha  'n  aithne 
dlionali !  An  aitihne  dhuibhse !.."..  .Cha 
'n  abair  mi  an  corr.  Cha  'n  eil  annam  ach 
duine  a  tha  aineolach  air  riaghladh  na 
rioghachd,  agus  tha  sibh&e  a  clieart  cho 
aineolach  rium.  Ach  dh'  iarradh  orm 
seasamh  air  son  Parlamaid  an  drasd,  agus 
ma  chuireas  sibhse  innte  mi,  theid  mi  innt© 
gun  teagamh,  ach  na  biodh  fiughair  air  bith 
oirbh  gu'n  dean  mi  maith  no  cron  innte.  A 
reir  mo  bheachd-sa  (ged  nach  'eil  annam  ach 
duine  gun  sgil  no  sgoil)  tha  iad  uile  car 
coltach  ri  cheile,  Tories  is  Cuigse ;  agus  tha 
mi  Ian  chinnteaoh  nach  eiieadh  dad  cearr  do'n 
rioghachd  ged  a  bhiodh  car  air  a  chur  anns 
an  iuchair  ann  an  Tigh  nan  Cumantan,  agus 
e  air  a  dhiinadh  fad  thri  bliadhna." 

An  uair  a  shuidh  Sir  loctan  Nimrod,  cha 
robh  aon  duine  anns  an  eisdeachd  a  bhuail 
bas  no  cas,  no  a  ghlaoidh  Ho-re.  Bha.  iad 
uile  mar  gu'm  biodh  iad  aig  tiodhlacadh ; 
ach  bha  cuid  dhiubh  a'  sealltainn  air  Tom 
Eliot  mar  gu'm  b'ann  aige^san  a  bha  choire. 
Ach  a  h-uile  duine  a  bheireadh  siiil  'n  a 
rathad,  chrathadh  Tom  a  cheann,  oir  bha 
fhios  aige  gu  maith  gur  e  a'  cheist  a  bha,  'n 
an  suilean,  An  e  an  daorach  a  tha  air  Sir 
loctan?  Is  ann  anns  an  tigh-osda  aig  Tom 
Eliot  a  bha  e  fuireach,  agus  le  crathadh  a 
chinn  bha  Tom  ag  innseadh  dhaibh  nach 
robh  daorach  no  daorach  air  an  duine. 

A  cheart  oidhche,  thall  anns  an  Oban,  bha 
am  fear  eile  a  bha  ag  iarraidh  a  steaoh  do 
Pharlamaid  a'  cur  nam  both  dheth  ag  inns- 
eadh do  mhuinntir  an  Obain  gu  robh  Sir 
loctan  Nimrod  agus  a  sheorsa  a'  feuchainn 
r'  an  coraichean  a  thoirt  bhuap-a  agus  traill- 
ean  a  dheanamh  dhiubh,  ach  na  'n  seasadh 
iad  air  a  thaobh-san  gu  duineil,  rachadh  e 
air  an  ceann  gu  buaidh  no  gu  bas !  Aon  uair 
's  gu'm  faigheadh  esan  a  steach  do'n  Phar- 
lamaid bhiodh  an  obair  pailt,  am  biadh  saor, 
is  tigh  riomhach,  is  oroit,  air  a  thoirt  do'n 
h-uile  duine  air  an  robh  iad  a  dhith.  Sheid 
e  suas  an  cinn  le  geallaidhean  mora  is 
briathran  atmhor,  ag  innseadh  dhaibh  nach 
do  chruthaich  Dia  riamh  duine  cho  uasal  no 
cho  beusach  no  oho  iomlan  ris  an  fhear-oibre ; 
nach  do  thachair  riamh  air  daoine  cho 
tuigseach  ri  muinntir  an  Obain,  agus  gu'm 
b'fhearr  leis  muinntir  an  Obain  a  bhi  air  a 
thaobh  seach  uile  Qiollaistean  an  domhain. 
"  Sin  agaibh,"  ars'  esan,  "  an  fhirinn,  agus 
gun  fhacal  ach  an  fhirinn.  An  rud  a  their 
an  t-Oban  an  diugh  abraidh  Lunnainn  am 
maireach." 

An  uair  a  shuidh  e  bha  fhallus  a'  taomadh 
gu  lar,  ach  b'  fhiach  dha  teas  a  chur  ann 
fhein  leis  an  iolach  a  thog  an  luchd-eisdeachd. 
Bha  iad  mar  gu'm  biodh  iad  a'  faicinn  tir 
a'  gheallaidh  cho  dluth  dhaibh  ri  Cearara. 

An     uair     a     bha     iipraid     an     taghaidh 


seachad,  agus  a  bha  na  figearan  air  an 
glaodhach  leis  an  t-Siorram,  b'e  so  mar  a 
chaidh  an  cath  ann  an  Rabhasda, — 

Sir  Goileab  Mac  Brosgul,  12,848. 
Sir  loctan  Nimrod,  51. 

Thug  Sir  Goileab  taing  do'n  t-Siorram 
agus  do'n  t-sluagh  uile,  agus  am  measg 
moran  gloramais  eile  a  thubhairt  e  riu,. 
thubhairt  e  gu  robh  na  figearan  a'  dearbhadh 
gu  soilleir  do'n  t-saoghal  nach  leigeadh 
duine  a  leas  eagal  a  bhi  air  nach  seasadh  a 
luchd-duthcha,  air  a  thaobh  ma  bheireadh  e 
dhaibh  an  rud  a  bha  dhith  orra,  "  an  fhirinn^ 
an  fhirinn  uile,  agus  gun  dad  ach  an  fhir- 
inn." "  Mar  Bhreatunnaoh  a'  labhairt  ri 
Breatunnaich,"  ars'  ensa,  "  thug  mise  an 
fhirinn  do  mhuinntir  an  Obain  agus  dO" 
mhuinntir  Rabhasda  uile,   agus  thug  iadsan 

dhomlisa  ."     Cha  d'  fhuair  e  am  faoal  a 

chriochnachadh  leis  mar  a  thoisich  na  daoine 
air  glaodhaoh  Ho-re  Ho-re,  Gu  ma  fada  hea 
Sir  Goileab. 

An  uair  a  sgaoil  am  bannal  chualas  Sir 
loctan  a'  cronanaich  gu  toilichte  ris  fhein- 
an  rann  ud  aig  Donnacha  Loudin, 

Tha   'n  fhirinn  gu  cliuteach  sona, 
Cha  chron  air  duine  bhi  fial ; 
'S  fhearr  beagan  anns  an  onoir 
Na  'n  donas  is  ceithir  cheud. 

Ghabh  Tom  Eliot  agus  am  Baillidh  an 
cuthach  dearg  an  uair  a  rainig  an  naigh- 
eachd  Cille-Sgumain  nach  d'  fhuair  Sir 
loctan  a  steach,  agus  thuirt  iad  nach  robh 
ann  am  muinntir  Rabhasda  ach  na  cladhair- 
ean,  ach  is  e  a  thubhairt  mo  bhan-charaid, 
Seonaid  Eachainn,  gu  robh  oo  dhiu  aon 
ionracan  ann  an  Rabhasda  na  bu  mhotha  na. 
bha  finghair  air  Abraham  fhaotainn  ann  an 
Sodom. 

Ach  mur  d'  fhuair  Sir  loctan  do'n  Pharla- 
maid :le  ceithir  cheud,  rinn  an  fhirinn 
saor  e ;  saor  'n  a  choguis,  agus  saor  gu 
rathad  fhein  a  leantuinn  agus  na  sionnaich 
a  ruagadh. 

Tha  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  an  t 
saogail  'g  am  mealladh  fein,  an  dull  gu 
bheil  gaol  aca  air  an  fhirinn,  ach  an  aite 
gaol  a  bhi  aca  air  an  fhirinn,  is  e  an  fhirinn 
a'  ghloir  as  seirbhe  leo  eisdeachd  rithe.  Tha 
an  fhirinn  an  diugh  f hathast  far  an  robh  i 
riamh  roimhe,  cha  'n  ann  air  mullach  nan 
tighean  ach  ann  an  grunnd  an  tobair,  agus 
is  annamh  duine  a  dh'  aithnicheas  i  an  uair 
a  thachras  i  orra.  Do'n  mhor-chuideachd 
tha  i  mar  fhreumh  a  talamh  tioram,  ach  air 
a  shon  sin,  tha  i  cliuteach  sona,  agus  bheir  i 
daonnan  saorsa  dhaibhsan  aig  a  bheil  gaol 
oirre  ;  bheir  i  saorsa  dhaibh  ann  am  fichead 
doigh  eile  a  thuilleadh  air  an  doigh  anns  an 
do  liubhair  i  Sir  loctan  Nimrod  bho  na  h- 
uilc  a  bha  bagairt  air. 


Air.    3. 


1924. 


BAS  CHRIOSD. 


An  uair  a  shoilleirich  an  latha,  Dihaoine, 
chunnacas  Caiaphas  agus  buill  eile  na 
Comhairle  a'  deanamh  air  luchairt  an 
Uachdarain,  agus  losa  maille  riu.  Tim- 
chioll  air  losa  bha  geard  de  cheannardan 
an  teampuill,  air  eagal  gu'n  tugadh  a 
chairdean  oidhirp  air  a  leigeil  mu  reir. 
Bha  muinntir  Jerusalem  air  eirigh  aig  an 
am,  agusi  an  uair  a  chunnaic  iad  Caiaphas 
air  cheann  na  cuideachd  thuig  iad  nach  bu 
chilis  bheag  a  bheireadh  air  an  ard-shagairt 
gluasad  cho  trath,  agus  mar  sin  lean  moran 
dhiubh  e  gu  tigh  an  Uachdarain,  a  dh' 
fhaicinn  ciod   a  bha  cearr. 

An  uair  a  dh'  innseadh  do  Philat,  an 
t-Uachdaran  gu  robh  Caiaphas  aig  an  dorus 
tbainig  e  a  mach  anns  a'  mhionaid,  oir  bha 
fhios  aige  gu  robh  fai^hidinn  an  ard-shag- 
airt gu  maith  na  bu  ghiorra  na  'iirnuighean. 

"  Tha  priosanach  an  so,"  arsa  Caiaphas, 
"  agus  bu  mhaith  leinn  gu'n  tugadh  tu 
breith  air." 

"  Ciod  a  rinn  e?"  arsa  Pilat. 

"  Mur  b'  fhear  droch-bheirt  e,"  arsa 
Caiaphas,  "  cha  tugamaid  thairis  dhuitse  e  : 
tha  daoine  againn  a  bheir  fianuis  gu'n  do 
labhair  e  toibheum." 

Sheall  Pilat  air  Caiaphas  gu  clis  agus  teine 
'n  a  shuil,  "  Car  son  nach  d'  thug  sibh  breith 
ail*  sibh  fein  ma's  e  toibheum  a  tha  sibh  a' 
cur  as  a  leth?  Nach  'eil  fhios  agaibh  gu'm 
faod  sibh  binn  a  thoirt  a  mach  ann  an  ciiis 
de'n  t-seorsa  sin'?  Thoiribh  leibh  e  mata, 
agus  thugaibh  breith  air  a  reir  ar  lagha 
fein." 

"  Tha  fhios  again  gu  maith,"  arsa 
Caiaphas,  "  gu'm  faod  sinn  binn  a  thoirt  a 
mach  ach  cha  'n  'eil  ughdarras  againn  duine 
a  chur  gu  bas. " 

Anns  a'  mhionaid  thuig  Pilat  gu  robh  an 
priosanach  a  bha  m'a  choinneamh  air  a 
dhiteadh  aca  cheana,  agus  bhuail  e  'n  a  inn- 
tinn  gu  robh  an  t-am  aige  sealltuinn  a  steach 
anns  a'  chuis.  Ach  cha  robh  e  furasda  dha 
fhaotainn  a  mach  bhuapa  ciod  an  cron  a  bha 
iad  a'  cur  as  a  leth.  Bha  cuid  dhiubh  ag 
radh  sid,  is  cuid  eile  ag  radh  so,  agus  iad 
uile  la'  glaodhaich  aig  an  aon  am,  air  chor 
agus  nach  robh  e  furasda  do'n  Uachdaran 
fhios  a  bhi  aige  ciod  a  bha  e  ri  rannsachadh. 

Mu  dheireadh  smuainich  e  gu'm  b'e  an 
doigh  a  b'  fhasa  dha  am  priosanach  fhein  a 
cheasnachadh.  Dh'  iarr  e  orra  uile  a  bhi 
samhach,  agus  thionndaidh  e  ri  losa,  "  Ciod 
a  tha  agad  ri  radh?" 

Chrath  losa  a  cheann  ach  cha  do  labhair  e 
faeal. 


An  uair  a  chunnaic  Caiaphas  sin  thuirt  e 
ri  Pilat  gu  cas  frionasach  (cha  robh  gaol  an 
t-«amhraidh  aca  d'a  cheile),  "  Fhuair  sinn 
an  duine  so  a'  claonadh  a  chinnich  agus  a' 
bacadh  cis  a  thoirt  do  Cheasar,  ag  radh  gur 
e  fein  Criosd  an  Righ. "  Cha  robh  facal  de'n 
fhirinn  anns  na  thubhairt  Caiaphas  agus 
bha,  fhios  aige  fhein  'n  a  chridhe  nach  robh. 
A  thaobh  cis  a  thoirt  do  Cheasar  cha  d'  thubh- 
airt losa  ach  so,  "  Thoiribh  do  Cheasar  na 
nithean  a  bhuineas  do  Cheasar  agus  do  Dhia 
na  nithean  a  bhuineas  do  Dhia  " ;  cha  mho 
a  dh'  fheuch  e  riamh  ri  ceannairc  a  dhean- 
amh  an  aghaidh  na  Roimhe  no  an  sluagh 
fhiidarachadh  'n  a  h-aghaidh.  Blia  amharus 
aig  Pilat  nach  robh  Caiaphas  ach  a'  feuch- 
ainn  ris  a'  phriosanach  a  chur  sios  'n  a 
shiiilean,  agus  mar  sin  chuir  e  roimhe  gu'n 
tugadh  e  cothrom  dha  e  fein  a  dhion, 
gun  Caiaphas  a  bhi  idir  anns  an  lathair. 
Mar  sin  thug  e  a  steach  e  leis  fhein,  gus 
ceist  no  dha  fhoighneachd  dheth. 

"  A  bheil  thusa  ag  radh,"  arsa  Pil^t, 
"gur  tu  righ  nan  ludhach?" 

Ach  cha  do  fhreagair  losa  a'  cheist. 

"  C  ar  son  nach  freagair  thu?"  arsa 
Pilat.  "  Nach  eil  fhios  agad  gu  bheil 
comas  agam-sa  do  chur  gu  bas  no  do  leigeil 
as." 

"  Cha  bhiodh  comas  air  bith  agad  thairis 
ormsa,"  fhreagair  losa,  "  mur  biodh  e  air 
a  thoirt  dhuit  le  m'  athair." 

"  A  bheil  an  rud  a  tha  do  luchd-duthcha 
a'  cur  as  do  leth  fior,  gu  bheil  thu  a'  gabhail 
ort  gur  Righ  thu?" 

"  Tha  thusa  agus  iadsan  ag  radh  sin," 
fhreagair  losa,  "  ach  cha  'n  'eil  rioghachd 
agam-sa  a  bhuineas  do'n  t-saoghal  so.  Rug- 
adh  mi  a  chum  gu'n  tugainn  fianuis  air 
taobh  na  firinn,  agus  gach  neach  d'an  aithne 
an  fhirinn  agus  aig  a  bheil  gaol  air  an 
fhirinn  is  ann  de  mo  rioghachd-sa  e. " 

"  An  fhirinn  !"  arsa  Pilat,  "  Ciod  i  an 
fhirinn?"       "  Co  is  urrainn  a  radh?" 

'Na  inntinn  fhein  bha  e  cinnteach  nach 
robh  ann  an  losa  ach  duine  gun  gho,  duine 
a  bha  feuchainn  ri  cnothan  a  chagnadh  nach 
gabhadh  cagnadh,  agus  thuirt  e  ri  Caiaphas 
agus  ris  na  sagartan  eile  agus  ris  an  t-sluagh 
uile,  "  Cha  leir  dhomhsa  cron  air  bith  anns 
an  duine." 

Chuir  sin  an  cuthach  dearg  orra  agus 
thoisich  a'  ghraisg  a  bha  air  culaobh  nan 
sagartan  air  glaodhach  agus  air  magadh  air 
Pilat,  ach  thog  Caiaphas  a  lamh  agus  chuir  e 
stad  orra. 

"A  bheil  fhios  agad,"  ars'  esan  ri  Pilat, 
"  nach  e  idir  duine  gun  gho  a  tha  agad  ach 
duine  cunnartach,   duine  a  tha  nis  air  tois- 


10 


eachadh  ann  an  ludea  air  a'  cheart  obair  a 
bha  aige  ann  an  Galile,  a'  togail  ceannairc 
am  measg  dhaoine. " 

"  Ann  an  Galile/'  arsa  Pilat,  "  an  ann 
do  Ghalile  a  bhuineas  e?" 

"  'S  ann,"  arsa  Caiaphas,  "  tha  e  a 
Nasaret." 

"  Ma  tha  sin  mar  sin,"  arsa  Pilat,  "cuir- 
idh  sinn  gu  Herod  e,  oir  is  ann  aige-san  a 
tha  coir  air  breith  a  thoirt  air,  agus  cha  'n 
ann  agam-sa. " 

Bha  Pilat  toilichte  gu'n  d'  fhosgail  an 
dorus  so  roimhe  agus  gu'n  d'  fhuair  e  doigh 
air  losa  fhaotainn  as  a  lamhan  oir  cha  robh 
tlachd  air  bith  aige  a  bhi  'na  bhritheamh 
annsi  a'  chuis.  Bha  fhios  aige  nach  do  rinn 
losia.  dad  a  bha  toillteanach  air  bas,  ach 
bha  fhios  aige  cuideachd  gu  robh  inntinn  an 
ard-shagairt  air  a  deanamh  suas  cheana  gu'n 
cuirteadh  gu  bas  e,  agus  b'  aithne  do  Philat 
dannarrachd  Chaiaphais  gu  maith.  A 
thuilleadh  air  sin,  chuir  a  bhean  'na  earalas 
e,  ag  radh  ris,  "  Na  biodh  gnothuch  agad- 
sa  ris  an  duine  ionraic  so."  Cha  bu  leasg 
le  Pilat,  mata,  losa  a  liubhairt  do  Herod, 
an  uair  a  fhuair  e  an  oothrom. 


B'e  sin,  "  uan  ann  an  garaidh  na  leomh- 
ainn  "  losa  a  bhi  'n  a  sheasamh  air  beulaobh 
Herod,  diii  nan  trusdar ;  am  fiath-bheathach 
a  mhort  am  Baisteach  agus  a  chaill  a  naire 
le  istruidhealachd.  Uair-eigin  a  dh'  innis 
iad  do  losa  gu  robh  toil  aig  Herod  a  mharbh- 
adh  thubhairt  e,  "  Kachaibh  agus  innsibh 
do'n  t-sionnach  sin,  Feuch  ata  mi  a'  dean- 
amh leigheas  an  diugh,  agus  am  maireach, 
agus  air  an  treas  la  bidh  mi  air  mo  dhean- 
amh  foirfe;  gidheadh  is  eigin  domh  imeachd 
an  diugh  agus  am  maireach  agus  an  la  'n  a 
■dheidh  sin,  oir  cha  'n  fhaod  e  bhith  gu'n 
cuirear  faidh  gu  bas  a  mach  a  Jerusalem." 

Agus  a  nis  bha  losa  agus  Herod  aghaidh 
ri  aghaidh  ann  an  Jerusalem  !  Lean  na 
sagartan,  agus  ceannardan  an  teampuill, 
agus  na  saighdearan,  agus  moran  de 
'n  t-sluagh,  gu  sonruichte  de  'n  ghraisg, — 
lean  iad  losa  gus  an  tigh  anns  an 
robh  Herod  a'  fuireach.  Dh'  fhoighneachd 
Herod  sid  is  so  de'n  phriosanach,  an 
dochas  gu'n  tugadh  e  air  rud  iongantach  air 
chor-eigin  a  dheanamh  mar  a  chual  e  a 
bhiodh  6  a'  deanamh  ann  an  Galile,  ach  cha 
d'  fhosgail  losa  a  bheul.  Cha  bhiodh  ann 
dha  ach  a  bhi  cur  neamhnaidean  air  beulaobh 
muice.  An  uair  a  dh'  fhairtlich  air  Herod 
an  dibhearsoin  a  bu  mhaith  leis  fhaotainn 
as,  thoisich  e  air  dibhearsoin  dha  fhein ; 
fhuair  e  te  de  na  seann  fhalluinnean  aige 
fhein  agus  dh'  iarr  e  air  fear  de  na  saighd- 
earan  a   cur   mu  ghuaillean   losa,   los  gu'm 


biodh  coslas  Righ  air.     Anns  an  eideadh  sin 
chuir  e  air  ais  gu  Pilat  e. 


Shaoil  Pilat  gu'n  d'  fhuair  e  as  a  ghlais, 
ach  a  nis  bha  am  priosanach  m'a  choinn- 
eamh  a  ris,  agus  an  sluagh  ag  iarraidh  fhala. 
Sheas  e  air  beulaobh  an  doruis  agus  smeid 
e  ris  an  sagartan  agus  ri  buill  na  comhairle, 
a'  feuchainn  ri  ciall  a  chur  orra  agus  losa 
a  shabhaladh  o'n  t-sluagh.  "  Thug  sibh  a' 
m'  ionnsuidh-sa  an  duine  so,"  ars'  esan,  "mar 
neach  a  tha  tionndadh  an  t-sluaigh  a  thaoibh, 
ach  air  dhomh  a  cheasnachadh  ann  bhur 
lathair  cha  d'  fhuair  mi  coire  air  bith  ann 
a  thaobh  nan  nithean  sin  mu'm  bheil  sibh  a' 
deanamh  casaid  air ;  chuir  mi  a  dh'  ionn- 
suidh  Herod  e  agus  cha  mho  a  fhuair  esan 
coire  ann ;  cha  do  rinneadh  ni  air  bith  leis 
toiltinneach  air  bas." 

Na'n  do  rinn  Pilat  mar  bu  choir  do  bhrith- 
eamh ceart  a  dheanamh,  leig  e  losa  mu  reir, 
ach  bha  eagal  air  roimh  Chaiaphas  agus  bha 
e  air  son  an  sluagh  a  thoileachadh,  agus  is 
e  a  thubhairt  e,  "  Smachdaichaidh  mi  e  agus 
leigidh  mi  as  e. " 

Ach  le  ran  uamhasach  ghlaoidh  an  sluagh, 
"  Cha  leig  thu  as  e;  ma  leigeas  tu  as  gin  idir 
leig  as  Barabbasi. " 

"  Barabbas,"  arsa  Pilat,  "an  e  gu'm  bu 
mhaith  leibh  feur-reubainn  a  leigeil  as  agus 
duine  neochiontach  a  cheusadh?" 

Bha  an  sluagh  air  deirge  a'  chuthaich, 
mar  gu'm  biodh  coin  is  aileadh  na  fala  'n 
an  cuinnleinean,  agus  ghlaoidh  i  a  ris,  "Ceus 
e,  ceus  e,  is  thoir  dhuinn  Barabbas." 

Ach  bha  Pilat  'n  a  dhuine  dannarra  cho 
mhaith  ri  Caiaphas  fhein ;  dh'  fhuirich  e 
greis  bheag  gus  an  do  stad  iad  de  ghlaodh- 
aich  agus  an  sin  thuirt  e  riu,  "  An  ceus  mi 
bhur  Righ?" 

Chuir  so  am  bainidh  uile  orra  agus  fhreag- 
air  iad,  "  Cha  'n  'eil  righ  againn  ach 
Ceasar." 

Am  feadh  's  a  bha  so  uile  a'  tachairt  bha 
losa  ag  urnuigh  'n  a  chridhe  ri  Dia,  is 
briathran  an  t-Salmadair  air  tighinn  thuige 
mar  a  thainig  iad  thuige  a  ris  agus  a  chorp 
sinte  air  a'  chrann,  "  Chuairtich  moran 
tharbh  mi ;  dh'  iadh  tairbh  laidir  Bhasain 
umam,  tha  mo  chridhe  mar  cheir  air  leagh-. 
adh  am  meadhon  mo  chuim."  Bha  e  sgith 
oir  bha  e  air  a  chasan  o'n  de,  air  iomain  a 
null  's  a  nail,  agus  an  fhuil  air  cruadhach- 
adh  air  'aodann.  Co  dhiu  is  ann  a  chionn 
gu  robh  a  chridhe  goirt  air  a  shon,  no  a 
chionn  gu  robh  e  air  son  magadh  a  dhean- 
amh air  n'c\  h-Iudhaich,  shin  Pilat  a  chorrag 
air  agus  thubhairt  e  ris  an  t-sluagh,  "  Feuch 
bhur  righ." 

Ach  bu  mhoid  a  ghlaoidh  iadsan,  "  Beir 
uainn  e,  beir  uainn  e;  ceus  e,  ceus  e." 


11 


An  sin  thionndaidh  Pilat  air  a  shail  gus 
a  lamhan  a  nigheadh,  agus  an  deidh  dha  sin 
a.  dheanamh  thuirt  e  riu,  "  Tha  mise  neo- 
■chiontach  de  fhuil  an  duine  ionraic  so; 
deanaibh-se  'ur  roghainn  ris." 

"  Biodh  fhuil  oirnne  agus  air  ar  cloinn," 
fhreagair  iad. 

Fhuair  na  h-Iudhaich  an  guidhe.  Bha, 
agus  tha  fhathast,  fuil  mhic  Dhe  air  a'  chinn- 
•each  ud.  M'an  deachaidh  moran  bhliadh- 
nachan  seachad  bha  am  baile  naomh  Jerusa- 
lem air  a  leagail  gu  lar,  agus  o'n  latha  sin 
gus  an  diugh  tha  na  h-Iudhaich  'n  an  daoine 
gun  duthaich  gun  dachaidh,  agus  lamhan 
nan  uile  chinneach  'n  an  aghaidh. 

Ach  cha  robh  e  cho  furasda  do  Philat  a 
chionta  a  dhubhadh  a  mach  's  a  bha  e  dha  a 
lamhan  a  nigheadh.  Bha  fuil  an  t-Slanuigh- 
ir  air  a  lamhan  salach,  agus  cha  robh  siabann 
no  cungaidh  air  an  t-saoghal  a  dheanadh 
geal  iad,  oir  is  e  a  lamhan  a  sheulaich  binn 
a  bhais. 


Gus  nach  biodh  dad  gun  deanamh  a 
mheudaicheadh  naire  is  masladh  is  fulangas 
an  t-Slanuighir  bha  e  air  a  sgiiirsadh  m'  an 
deachaidh  a  cheusadh.  Leth-ruisgte,  bha 
e  air  a  cheangal  ri  posta,  agus  air  a  bhual- 
adh  gus  an  robh  fheoil  air  a  reubadh,  agus 
fhuil  is  fhallus  a'  taomadh  gu  lar.  Agus 
mar  nach  bu  leoir  sin,  thoisich  na  saighd- 
earan  air  magadh  air,  'g  a  uidheamachadh 
ann  an  riochd  righ.  Fhuair  fear  dhiubh 
falluinn  sgarlaid  agus  chuir  e  air  i;  rinn 
fear  eile  crun  de  dhroighionn  agus  chuir  e 
air  a  cheann  e,  agus  chuir  fear  eile  bata  'n 
a  laimh  mar  shlat-shuaicheantais.  An  uair  a 
chuir  iad  'n  a  eideadh  e  rinn  iad  am  beic 
dha  gu  magail,  ach  an  ath  mhionaid,  bhuail 
fear  an  deidh  fir  dhiubh  buille  air  anns  an 
aodann,  agus  ged  is  dnilich  e  r'a  chreidsinn 
agus  is  narach  e  r'a  radh,  thilg  iad  smug- 
aidean  air.  Ach  cha  d'  fhosgail  esan  a  bheul. 
Thugadh  e  mar  uan  a  chum  a  chasgraidh 
agus  mar  chaora  a  bhios  balbh  an  lathair  an 
luchd-lomairt  mar  sin  cha  d'  fhosgail  e  a 
bheul,  ach  a  mhain  ann  an  urnuigh,"Athair 
thoir  maitheanas  dhaibh  oir  cha  'n  'eil  fhios 
aca  ciod  a  tha  iad  a  deanamh." 

Ann  an  aon  seadh  bha  fhios  aig  a 
h-uile  duine  aig  an  robh  lamh  ann  am  bas 
losa  gu  robh  iad  a'  deanamh  na  h-eucoir. 
Bha  fhios  aig  Caiaphas ;  bha  fhios  aig  Pilat; 
bha  fhios  aig  ludas ;  bha  fhios  aig  na  saigh- 
dearan  a  chur  an  crun  droighinn  air  a 
cheann  gu  robh  iad  a'  deanamh  rud  maslach. 
Ach  ged  a  bha  fhios  aca  gu  robh  an  rud  a 
rinn  iad  maslach,  cha  robh  fhios  aca  cho 
freagarrach  's  a  bha  an  crun  d'a  cheann 
naomh-san.  Oir  ged  a  bha  maise  is  gras 
losa  air    fholach    orra,    bu    Righ    esan    da- 


rireadh,  Righ  na  Gloire,  agus  Tighearna  nan 
Tighearnan.  Agus  am  measg  nan  cruintean 
a  bha  riamh  air  an  cur  air  ceann  duine  cha 
'n  'eil  aon  eile  an  diugh  d'  am  bheiltear  a' 
toirt  urram  is  gradh  is  dilseachd  cho  mor 
's  a  thatar  a'  toirt  do'n  chriin  droighinn  so. 
Tha  e  na's  luachmhoire  na'n  t-or  is  riomh- 
aiche  dath. 

Tha  'n  Ceann  bha  cruinte    le    droighionn 

cruaidh 
Nis  cuairtichte  le  gloir ; 
'S  tha  coron-righ  is  riomhach  snuadh 
Mu'n  bhathais  bhuadhaich,   mhoir. 


COMUNN  NAN  CAIRDEAN. 


Ann  an  eaglais  Chriosd  air  thalamh  tha 
iomadh  seorsa  dhaoine  ach  'nam  measg  uile 
cha  'n  'eil  seorsa  idir  air  a  bheil  coslas  na 
h-irioslachd  agus  na  diadhaidheachd  cho 
soilleir  's  a  tha  e  air  na  daoine  sin  ris  an 
abair  an  saoghal  na  Quakers  ach  ris  an  abair 
iad  fein  Comunn  nan  Cairdean.  Cha  'n 
'eil  iad  lionmhor,  ach  air  a  shon  sin  tha  iad 
cumhachdach  anns  a  h-uile  duthaich  anns 
a  bheil  iad,  na's  cumhachdaiche  na  eaglais- 
ean  eile  a  tha  fhichead  uiread  riu.  Bheir 
luchd-riaghlaidh  an  t-saoghail  geill  do  na 
Quakers  an  uair  nach  eisd  iad  ri  Comuinn 
Chriosdail  eile,  agus  is  e  an  t-aobhar  air  sin 
gu  bheil  fhios  aca  gu  maith  gu  bheil  na 
Quakers  daonnan  dileas  is  seasmhach  'n  an 
aidmheil,  agus  nach  lub  iad  an  glun  ann  an 
teampuU  Rimmoin. 

B'e  athair  a'  chomuinn  so  Seoras  Fox, 
Sasunnach  a  rugadh  ann  an  1624.  An  uair 
a  bha  e  mu  naoi  bliadhna  deug  thainig  e  fo 
bhuaidh  an  t-soisgeil.  Dh'  fhag  e  a  dhach- 
aidh  agus  a  chairdean  mar  a  rinn  Eoin  a' 
Bhaistidh,  ag  iarraidh  an  t-soluis  ann  an 
uaigneas  agus  co-chomunn  ri  Dia.  An 
ceann  greis  thoisich  e  air  searmonachadli, 
agus  'na  shearmonachadh  labhair  e  cho 
laidir  ri  Eoin  fhein  an  aghaidh  dhaoine 
agus  bheachdan  nach  robh  a'  cordadh  ris, 
gus  mu  dheireadh  an  do  chuireadh  anns  a' 
phriosan  e.  Cha  bu  toigh  leis  sagartan,  no 
luchcl-lagha,  no  saighdearan,  oir  bha  e  de'n 
bheachd  gu  robh  an  obair  aca  calg-dhireach 
an  aghaidh  prionnspalan  an  t-soisgeil. 
Thug  e  oilbheum  dhaibh  sin,  agus  do  iomadh 
neach  eile  aig  an  robh  lamh  ann  an  nithean 
a  bha  e  a'  diteadh,  air  chor  agvis  gu  robh  e 
air  a  ruagadh  o  mhod  gu  mod,  agus  o  phriosan 
gu  priosan.  Ach  cha  b'  urrainn  da  fuir- 
each  samhach. 

Sin,  mata,  an  duine  a  chuir  air  chois 
Comunn  nan  Cairdean  agus  gus  an  la  an 
diugh  is  ann  ri  teagasg  Sheorais  Fox  a  tha 


12 


iad  a'  leantuinn,  ged  a  dh'  fhaodas  rud  beag 
de  atharrachadh  a  bhi  air  a  dheanamh  air 
a  theagasg  ann  am  puing  no  dha.  Am  measg 
na  feadhnach  a  b'  ainmeile  d'a  dheisciobuil 
faodar  iad  so  a  chunntas,  Uilleam  Penn, 
Ealasaid  Fry,  is  Iain  Bright. 

A  thaobh  litir  a'  chreidimh  theagamh 
nach  'eil  dealachadh  mor  air  bith  eadar  na 
Quakers  agus  Criosduidhean  eile,  ach  a 
thaobh  spiorad  am  beatha  agus  an  giulan 
anns  an  t-saoghal,  tha  iad  comharraichte  am 
measg  chaich,  agus  faodar  a  radh  cuideachd 
gu  bheil  iad  a'  leantuinn  ann  an  ceumanna 
nan   abstol   na's   dluithe  na   eaglaisean  eile. 

Tha  iad  a'  eur  cudthrom  mor  air  an 
fhirinn  so,  gu'n  do  chuir  Dia,  tre  losa 
Cri®sd  a  mhac,  solus  ann  an  anam  an  duine, 
solus  a  nochdas  dha  ciod  a  tha  Dia  ag  iarr- 
aidh  air  a  dheanamh,  agus  a  bheir  dha  neart 
gus  aitheantan  Dhe  a  choimhead.  Tha  iad 
a'  steidheachadh  an  teagaisg  so  air  briath- 
ran  an  abstoil  Eoin  a  tha  ag  radh  gur  e 
Criosd  heatha  agus  solus  dhaoine;  an  solus 
fior;  an  solus  a  tha  soillseachadh  gach  uile 
dhuine  a  thig  a  steach  do'n  t-saoghal.  Tha 
an  solus  so  ann  an  anam  a  h-uile  duine,  ach 
is  e  mhain  iadsan  a  tha  leantuinn  an  t-soluis 
a  tha  'n  an  cloinn  do  Dhia.  A  mheud  agus 
nach  'eil  a'  gluasad  a  reir  an  t-soluis,  cha 
bhuin  iad  do  Dhia,  ged  a  dh'  fhaodas  iad  a 
bhi  'n  an  luchd-aideachaidh.  Ged  tha  an 
solus  so  ann  an  anam  an  duine  cha  'n  ann 
o'n  duine  fhein  a  tha  e  ach  o  Dhia ;  thainig 
an  solus  6  Dhia  agus  bheir  e  dhachaidh  gu 
Dia  a  mheud  agus  a  bhios  'ga  leantuinn. 

Cha  'n  'eil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  feum 
aig  mi»istearan  air  sgoil  no  sgoilearachd. 
Tha  iad  a'  cumail  a  mach  nach  'eil  e  a  reir 
nan  sgriobturan  a  bhi  a'  cur  oileanaich  oga 
do  Chollaistean  a  dh'  ionnsachadh  Greigis  no 
Eabhra,  no  a  dh'  ionnsachadh  urnuigh  no 
searmon  a  dheanamh.  Mar  sin  cha,  'n  'eil 
ministearan  aca  mar  a  tha  aig  eaglaisean 
eile,  ach  daoine  a  th^isich  air  searmonachadh 
as  an  cinn  agus  as  an  comhairle  fhein,  a 
chionn  gu  robh  iad  a'  faireachduinn  gu  robh 
iad   air   an   gairm  leis   an   Spiorad  Naomh. 

Tha  iad  a'  creidsinn  gur  e  saor  thiodhlac  o 
Dhia  a  tha  anns  na  gibhtean  a  tha  deanamh 
duine  comasach  air  searmonachadh,  agus 
gur  c6ir  do  gach  duine  a  fhuair  na  gibhtean 
sin  an  cleachdadh  gu  saor  ann  an  seirbhis 
a  bhraithrean.  Cha  'n  'eil  iad  a'  toirt 
paigheadh  air  bith  do  dhuine  a  th6isicheas 
air  searmonachadh,  ach  coltach  ris  na  h- 
abstoil,  gheibh  e  aoigheachd  is  cuid  na  h- 
oidhche  ann  an  aite  air  bith  an  t6id  e. 

Anns  na  coinneamhan  a  bhios  aca  cha  'n 
'eil  iad  a'  leantuinn  foirm  urniiigh  no  aor- 
aidh  mar  a  gheibhear  anns  na  h-eaglaisean 
againne.     Tha  iad  daonnan  a'  leantuinn  an 


t-soluis,  a'  labhairt  no  a'  fantuinn  samhach 
a  reir  mar  tha  iad  air  an  seoladh  leis  an 
Spiorad  Naomh.  Tha  iad  a'  ceadachadh  do 
mhnathan  labhairt  cho  mhaith  ris  na  fir. 

Cha  'n  'eil  iad  a'  frithealadh  sacramaid 
a'  Bhaistidh  no  Suipear  an  Tighearna  mar 
tha  Criosduidhean  eile.  Tha  iad  a'  cumail 
a  mach  nach  'eil  ann  am  baisteadh  le  uisge 
ach  cleachdadh  ludhach,  rud  o'n  taobh  a 
muigh  anns  nach  'eil  eifeachd  air  bith. 
Tha  iad  a'  teagasg  gur  e  baisteadh  spiorad- 
ail  a  tha  air  orduchadh  do  chreidmhich, 
cha  'n  ann  o'n  leth  a  muigh  ach  o'n  leth  a 
stigh,  agus  mar  urrainn  air  an  teagasg  sin, 
bheir  iad  dhuit  na  briathran  a  labhair  Eoin 
a'  Bhaistidh  fhein,  "  Tha  mise  'g  'ur  bais- 
teadh le  uisge,  ach  tha  neach  a'  teachd  a'm' 
dheidh  a  bhaisteas  sibh  leis  an  Spiorad 
Naomh  agus  le  teine. " 

Cha  'n  'eil  iad  a'  creidsinn  ann  a  bhi  toirt 
measi  do  phearsa  seach  a  cheile,  oir  tha  iad 
a'  cumail  a  mach  gu  bheil  a'  bheic  dliith  do'n 
bhrosgul,  is  gu  bheil  am  brosgul  dluth  do'n 
pheacadh.  Do  sheann  aois  agus  do  dhaoine 
a  tha  comharraichte  air  son  diadhaidheachd 
bheir  iad  dhiubh  an  comhdach-cinn,  ach  cha 
'n  'eil  iad  a'  creidsinn  ann  a  bhi  toirt 
urram  do  mhaithean  an  t-saoghail  nach  toir 
iad   do  bhochdan  an  t-saoghail. 

A  thaobh  cogaidh,  tha  iad  fada  air  thois- 
each  air  a'  chorr  de'n  t-saoghal,  oir  tha  iad 
a'  seasamh  gu  daingean  air  a'  bhonn  so,  gu 
bheil  e  an  aghaidh  prionnspalan  an  t-soisgeil. 
Gle  bhitheanta  tha  eaglaisean  eile  a'  beann- 
achadh  cogaidh,  ach  tha  Comunn  nan  Caird- 
ean  daonnan  'g  a  mhallachadh.  Is  iad  an 
aon  seorsa  dhaoine  d'  an  tugadh  muinntir 
an  airm  geill,  an  am  a'  chogaidh  mu  dheir- 
eadh,  an  uair  a  thigeadh  iad  air  beulaobh 
ciiirte,  a'  tagar  gu  robh  reusan  coguiseach 
aca  an  aghaidh  dol  do'n  arm.  Ann  an 
laithean  na  sithe  tha  iad  a'  togail  am  fianuis 
an  aghaidh  an  uilc  so  a  cheart  cho  mhaith  's 
a  tha  iad  ann  an  am  cogaidh. 

Is  iad  cuideachd  a  'cheud  eaglais  a  thoisich 
air  cor  nan  traillean  a  thagar,  ag  iarraidh 
saorsa  a  thoirt  daibh. 

Tha  iad  a'  creidsinn  ann  an  simplidheachd 
annsi  na  h-uile  nithean ;  cha  toigh  leo  aodach 
riomhach,  no  biadh  soghmhor,  no  moran 
bhriathran ;  is  e  am  miann  dol  troimh  an  t- 
saoghal  gu  h-iriosal  samhach,  a'  deanamh  toil 
Dhe  ann  an  uaigneas.  Cha  'n  'eil  iarraidh 
aca  air  ainm  no  urram  fhaotainn  o  dhaoine, 
agus  cha  chluinnear  iad  a'  togail  an  guth 
anns  na  sraidean. 

Tha  iad  anabarrach  maith  d'  am  bochdan 
fhein,  a^us  maith  d'  an  coimhearsnaich  uile 
ged  nach  buineadh  iad  d'an  Comunn,  oir 
tha  iad  daonnan  a'  feuchainn  ri  cleachdanna 
nan  abstol  a  leantuinn. 


Air.    4. 


1924. 


MAKAH    AGUS    ELIM. 


Agus  an  uair  a  thainig  iad  gu  Marah, 
cha  b'  urrainn  iad  uisgeachan  Mharah  61, 
oir  bha  iad  searbh ;  uinie  sin  thugadh  Marah 
mar  ainm  air.  .  .  Agus  thainig  iad  gu  Elim 
far  an  robh  da  thobar  dheug  uisge,  agus  deich 
ague  tri  fichead  craobh  phaihne  ;  agus  champ- 
aich  iad  an  sin  laimh  ris  na  h-uisgeachan. 
Escodus  XV,  23-27. 

Na'n  do  rinn  claian  Israeil  air  tir  a' 
gheallaidh  lorn  is  direach  an  deidh  dhaibh 
an  Eiphit  fhagail,  I'achadh  aca  air  a  ruigh- 
inn  ann  am  beagan  sheachduinnean.  Ach 
gliabh  iad  da  fhichead  bliadhna  air  an  turns. 
Cha'b'  ann  gun  aobhar  a  sheachain  iad  an  t- 
slighe  ghoirid,  "  Cha  do  threoraich  Dia  iad 
air  slighe  tire  nam  Philisteach,  ged  a  bha  i 
am  fagus ;  oir  thubhairt  Dia,  Air  eagal  gu'm 
bi  aithreachas  air  an  t-sluagh  an  uair  a  chi 
iad  oogadh,  agus  gu'm  pill  iad  do'n  Eiphit." 
(Ecsodus,  xiii,  17.)  Bha  na  Philistich  'n  an 
sluagh  borb,  air  an  cleachdadh  ri  airm  iom- 
char  ;  agus  bha  e  glic  do  Mhaois  an  seachnadh 
oir  bha  spiorad  chloinn  Israeil  air  a  bhris- 
eadh  gu  buileach  leis  an  lamhachas-laidir  a 
rinneadh  orra  le  Pharaoh,  air  chor  agus 
nach  seasadh  iad  an  larach  ri  aghaidh  namh- 
aid  ur.  Air  an  aobhar  sin  threoraich  Dia 
an  sKiagh  mu'n  cuairt  air  slighe  fasaich  na 
Mara  Ruaidhe,  a'  taghac^h  an  rathaid  dhaibh 
a  reir  an  neirt.  Bha  e  'n  a  dheuchainn  air 
am  faighidinn  na  bliadnachan  ud  a  chur 
seachad  anns  an  fhasaeh  ;  ach  b'e.an  rathad 
fada  an  rathad  a  bu  ghiorra  dhachaidh  air 
a  ishon  sin.  Ged  a  bha  an  t-slighe  fadalach, 
thug  i  steach  iad  rau  dheireadh  do  thir  a  bha 
a'  sruthadh  le  bainne  is  mil.  Tha  daoine  an 
diugh  fhathast  a'  faotainn  a  niach  'n  am 
beatha  fein  a'  clieart  ni  a  tha  air  a  theagasg 
dhuinn  le  eachdraidh  chloinn  Israeil,  gur 
fhearr  an  rathad  fada  glan  na  'n  ratbad 
goirid  salach.  Tha  sinn  uile  ag  iarraidh  tlr 
a'  gheallaidh  air  chor-eigin.  Saoibhreas, 
toil-inntinn,  inbhe  shaoghalta,  eolas,  sonas, 
— is  iad  sin  am  bainne  agus  a'  mhil  air  a 
bheil  a'  mhor-chuideachd  an  toir.  Cha  'n 
abair  sinn  gu  bheil  e  cearr  do  dhaoine  na 
nithean  sin  a  chumail  fa  chomhair  an  sul  ; 
ach  seachnadh  iad  an  t-ath-ghoirid  salach 
thuca  agus  gabhadh  iad  an  rathad  glan. 
"  Tha  slighe  ann  a  shaoilear  direach  le  duine, 
ach  is  e  a  crioch  slighean  a'  bhais. "  An  uair 
a  ni  daoine  cabhag  g\x  bhi  beartach,  gabh- 
aidh  iad  gle  bhitheanta  athghoirid  salach  a 
bheij-  a  steach  iad  do  thlr  a'  bhais  an  aite  tir 
an  t-eonais  a  bha  iad  ag  iarraidh.  Cha  ruig 
duine  a  leas  diiil  a  bhi  aige  gu'm  bi  beann- 


achd  is  dion  Dhe  thairis  air  ma  tha  e  a' 
gluasad  air  sligheannan  nach  do  cheadaich 
Dia ;  ma  chuireas  e  roimhe  a  cheann-uidhe  a 
ruighinn  le  eucoir  is  innleachdan  is  breugan. 

An  uair  a  shaor  Dia  clann  Israeil  o  laimh 
Pharaoh  agus  a  chaidh  iad  air  cheann  na 
slighe  gu  Canaan  sheinn  iad  oran-molaidh 
dha,  ach  m'  an  do  rainig  iad  Marah  cha  robh 
oeol  'n  an  cridhe  no  'n  am  beul.  Shaoil  iad 
gu  robh  laithean  an  saruchaidh  seachad  agus 
chuir  iad  an  aghaidh  air  an  t-slighe  mar 
chuideachd  a'  cumail  latha  feille.  Ach  an 
uair  a  chunnaic  iad  nach  robh  an  t-slighe 
cho  furasda  's  a  shaoil  iad,  's  a  thoisich  iad 
air  fannachadh  Le  pathadh  is  teas  an  fhasaich, 
rinn  iad  gearan  an  aghaidh  Mhaois,  ag  radh 
ris  gu'm  b'  fhearr  dhaibh  daorsa  na  h-Eiphit 
seach  bas  fhaghail  anns  an  fhasaeh.  "  Agus 
dh'  eigh  esan  ri  lehobhah,  agus  nochd 
lehobhah  fiodh  dha,  agus  thilg  e  anns  na 
h-uisgeachan  e,  agus  rinneadh  na  h-uisgeach- 
an milis."  Tha  e  air  a  radh  le  daoine  a  bha 
thall  's  a  chunnaic  e  gu  bheil  seorsa  craoibhe 
a'  fas  gu  nadurra  anns  a'  chearn  ud  de 
Arabia  aig  a  bheil  a'  bhuaidh  so  air  uisge, 
an  uair  a  thilgear  sguinn  dhi  ann ;  agus  ma 
tha  sin  fior,  cha  do  thachair  miorbuil  air 
bith  aig  Marah  ach  a  mhain  gu  robh  Maois 
air  a  sheoladh  le  Dia  gus  eifeachd  na  craoibhe 
so  fhaotainn  a  mach.  Tha  facal  an  Tigh- 
earna  ag  radh,  "  Treoraichidh  e  na  daoine 
ciiiin  ann  am  breitheanas,"  (Salfn  xxv,  9;) 
agus  aig  iomadh  am  'n  a  bheatha  dhearbh 
Maois  air  a  shon  fhein  gu  bheil  an  gealladh 
so  fior  ;  gu  bheil  Dia  a'  toirt  soilleireachd 
inntinn  cho  mhaith  ri  beannachdan  spiorad- 
ail  dhaibhsan  a  chuireas  an  comhairle  ris 
agus  a  dh'  aidicheas  e  'n  an  uile  shlighean. 
Dh'  aidich  Maois  Dia  'na  uile  shlighean. 
Air  gach  duilleag  de  'n  eachdraidh  so  leughar 
na  briathran,  "Dh'  eigh  Maois  ri  lehobhah.' 
Anns  gach  duileadas  is  cunnart  a  thachair 
air  dh'  iarr  e  solus  is  comhnadh  o  Dhia. 
Thug  e  gach  ciiis  thuige  ann  an  urnuigh,  agus 
thug  Dia  freagairt  dha.  Bheir  Dia  gu  cinn- 
teach  solus  do'n  duine  a  dh'  eigheas  ris  gu 
durachdach  an  uair  a  tha  e  ann  an  iom- 
chomhairle,  agus  a  bu  mhaith  leis  seoladh 
fhaotainn.  Cuiridh  e  mach  thuige  a  sholus 
agus  fhirinn. 

Cha  d'  fhag  Dia  a  shluagh  ann  am  Marah 
ag  61  an  uisge  a  bha  searbh  ;  threoraich  e  air 
an  aghaidh  iad  gu  Elim  far  an  robh  da  thob- 
ar dheug  uisge  agus  deich  agus  tri  fichead 
craobh  phailme  :  agus  champaich  iad  an  sin. 
Bha  Elim  do  'n  luchd-turuis  sgith  mar 
gharradh  an  Tighearna  ann  am  meadhon  an 
fhasaich  :  dh'  aisigeadh  am  beatha  agus  am 
misneach  air  ais  dhaibh  an  uair  a  chaisg:  iad 


14 


an  iotadh  aig  fhuarain,  agus  a  fhuair  iacl 
fasgadh  bho  'n  teas  fo  sgaile  nan  craobh. 
Ann  a  bhi  mineachadh  an  t-Seann  Tiomnaidh 
cha  teid  ainn  fada  cearr  ma  leanas  sinn  an 
t-abstol  Pol,  agus  tha  Pol  ag  radh  (1  Cor.  10) 
gu'n  do  thachair  na  nithean  ud  do  chloinn 
Israeli  mar  eiseimpleir  dhuinne.  Faodar 
an  imeachd  anns  an  fhasach  a  ghabhail  mar 
shamhladh  air  beatha  mhic  an  duine  agus  air 
turns  a'  Chriosduidh  anns  an  t-saogbal.  Tha 
Marah  air  chor-eigin  ann  am  beatha  gach 
duine,  fiosrachadh  no  freasdal  a  tha  searbh. 
Cha  'n  'eil  e  solasach  a  bhi  'g  61  uisgeachan 
searbh,  ach  ann  an  doighean  iongantach  ni 
Dia  mills  lad  d'a  shluagh.  "Tha  smachd- 
achadh,  am  feadh  a  tha  e  lathair,  doilgheas- 
ach  :  gidheadh,  'na  dheidh  sin  bheir  e  mach 
toradh  siochail  na  fireantachd  dhaibhsan  a 
bha  air  an  cleachdadh  leis. "  Leighsidh 
feartan  diomhair  Dhe  an  cridhe  leonte,  agus 
cuiridh  e  oran  nuadh  ann  am  beul  an  dream 
a  bha  ri  caoidh. 

An  deidh  Mharah  tha  Elim,  agus  treoraich- 
idh  am  Buachaille  Maith  a  chaoraich  laimh 
ri  tobraichean  fionnar  agus  ann  an  cluain- 
tean  gorma.  Ma  dhearbhas  Dia  a  shluagh 
ann  am  Marah,  uraichidh  e  an  neart  agus  an 
d6chas  ann  an  Elim ;  agus  ni  e  am  fasach 
coimheach  dhaibh  'na  aite  thobraichean. 
Ann  an  turns  a'  Chriosduidh  air  thalamh 
bheir  an  t-slighe  e  troimh  ghleann  Bhaca 
agus  gu  Beinn  a'  Chruadail,  ach  tha  Elim  air 
an  ciil,  agus  an  uair  a  ruigeas  e  na  tobraich- 
ean fionnar  agus  na  craobhan  pai]me  cha  bhi 
cuimhne  aige  air  deacaireachd  na  slighe  na's 
mo. 


AN  T-SRONBHUIDHE. 


Am  measg  nam  ministearan  a  bha  ann  an 
eaglais  na  h-Alba  anns  an  linn  mu  dheireadh 
cha  robh  duine  eile  a  bu  ghasda  agus  a  bu 
choire  na  SEUMAS  CAMSHRON  LEES, 
K.C.V.O.,  D.D.,  LL.D..  a  bha  anns  an 
Eaglais  Ard,  an  Duneideann.  Bha  meas 
mor  aig  an  duthaich  uile  air  ;  bha  meas  aig 
righrean  is  prionnsachan  air  (oir  bha  e  'n  a 
charaid  dluth  aig  a'  bhanrigh  Victoria,  agus 
aig  Righ  Eideard,  agus  aig  Righ  Deorsa)  ach 
bha  a'  cheart  uiread  meas  aig  luchd-oibre 
agus  daoine  bochd  air.  Am  measg  muinn- 
tir  na  h-eaglais  Shaoir  bha  e  cho  measail  's 
a  bha  e  aig  a'  choimhthional  fhein,  oir  bha 
inntinn  is  cridhe  farsuing  aige,  gun  chumh- 
annachd  air  bith  ann. 

Ged  nach  robh  e  a'  searmonachadh  Gaidh- 
lig  mu  dheireadh,  bha  Gaidhlig  aige  agus  is 
ann  ann  an  sgireachd  Ghaidhealach  a  thois- 
ich  e  an  toiseach.  Ach  b'  aithne  dha  a' 
Ghaidhealtachd  agus  muinntir  na  Gaidheal- 


tachd  mar  nach  b'  aithne  do  mhoran,  agus 
h'  aithne  dha  cuideachd  naigheachdan  aigh- 
earach  innseadh  umpa  na  b'  fhearr  na  duine 
eile  a  chuala  mise  riamh.  A  h-uile  samhradh 
bhiodh  e  a'  dol  a  dh'  iasgach  do  aite  air  chor- 
eigin  ;  am  bliadhna  do  Mhuile,  bliadhna  eile 
do  Ghleann  Garaidh,  an  ath  bhliadhna  do 
Chataibh ;  agus  air  na  turusan  sin  bhiodh 
daoine  neonach  a'  tachairt  air,  a  chumadh 
naigheachdan  ris  fad  a'  gheamhraidh.  Chuir 
6  a  mach  leabhar  no  dha  a  tha  anabarrach 
eibhinn ;  an  raoir  fhein  bha  mi  a'  leughadh 
fear  dhiubh  sin  agus  bu  mhaith  leam  cuid  de 
sheanchas  an  Dotair  Lees  a  thoirt  do  luchd- 
leughaidh  na  duilleig  so.  Cha  do  chuir  e 
'ainm  ris  na  leabhraichean  ud  idir,  agus  an 
diugh  tha  iad  duilich  am  faotainn,  ach  tha 
iad  agam-sa,  agus  cuiridh  mi  fhein  ann  an 
Gaidhlig  an  rud  a  chuir  esan  ann  am  Beurla. 

Tha  atharrachadh  a'  tighinn  air  minis- 
tearan na  Gaidhealtachd  mar  a  tha  a'  tighinn 
air  a  h-uile  ni  eile  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
agus  theagamh  nach  fhaca  an  6igridh  riamh 
leithid  an  Dotair  Mhic  Amhlaidh,  mini^tear 
na  sgireachd  anns  an  t-Stronbhuidhe.  ach 
bidh  cuimhne  aig  na  seann  daoine  air  a 
sheorsa.  B'  aithne  do  Lees  an  seorsa  minis- 
tir  so  gu  maith,  ged  nach  fhaighear  a  bheag 
dhiubh  an  diugh  anns  an  duthaich. 

"Am  measg  nan  daoine  a  bha  air  an  cuir- 
eadh  a  dh'  ionnsuidh  na  dinnearach,  bha  an 
Dotair  Mac  Amhlaidh,  ministear  na  sgir- 
eachd. Chuir  e  failte  chridheil  oirnn  agus 
thuirt  e  gu  robh  e  toilichte  ar  faicinn  anns 
an  t-Stronbhuidhe.  Duine  trom  laidir,  le 
aodann  flathail,  is  coltas  air  a  bhi  air  a 
dheagh  chumail.  Bha  meas  nach  bu  bheag 
aig  muinntir  na  sgireachd  uile  air,  agus  bha 
iarraidh  air  anns  gach  cruinneachadh,  oir 
bu  toigh  leis  fhein  a  bhi  ann  an  cuideachd. 
Bha  e  Ian  abhacais  agus  maith  gu  seauchas 
ann  an  cuideachd,  ach  cha  robh  daoine  'g  a 
mheas  ro  mhaith  gu  searmonachadh.  Bha 
'athair  agus  a  sheanair  'n  am  ministearan 
roimhe,  agus  dh'  fhag  iad  aige  mar  dhileab, 
cha  'n  'e  a  mhain  cuibhrionn  maith  de  stor 
saoghalta  ach  Ian  bocsa  de  shearmoin.  A 
chuid  de'n  choimhthional  a  bha  a'  suidhe 
air  an  lobhtaidh  anns  an  eaglais,  bha  fhios 
aca  gu  maith,  bho  dhath  a'  phaipeir,  c6  a  rinn 
an  searmon  a  bha  iad  a'  faotainn.  Ma's  ann 
ruadh  a  bha  am  paipear  bha  fhios  aca 
gur  e  fear  da  shearmoin  a  sheanar  a  bha  ann, 
agus  gu'n  cluinneadh  iad  stuamachd  is  firinn 
is  onoir  air  lam  moladh,  agus  breugan  is 
bradachd  is  sannt  air  an  diomoladh.  Ma's 
ann  buidhe  a  bha  am  paipear  b'e  aon  de 
shearmoin  'athar  a  bha  ann.  An  latha  .sin, 
ciod  air  bith  an  ceann-teagaisg,  thoisicheadh 
an  searmon  aig  tuiteam  Adhaimh  ^j-gus 
chriochnaicheadh  e  aig  la  a'  bhreitheanais.  Ma 


15 


Mia  am  paipear  geal  bha  fhios  aca  gur  e  fear 
d'a  fheadhainn  fhein  a  bha  iad  a'  faotainn, 
ach  cha  robh  iad  sin  furasda  an  tuigsinn  idir. 
De  na  tri  seorsachan,  b'e  searmoin  a  sheanar 
A  b'  fhearr  leis  a'  choimhthional.  Bha  a 
■eheanair  'n  a  dhuine  smachdail  'na  latha 
fhein,  ague  b'  aithne  dha  an  tar  rang  a 
bhualadh  air  a  ceann.  An  uair  a  bhiodh  an 
Dotair  Mac  Amhlaidh  a'  leughadh  na  sgriobh 
am  bodach  mu  mhisgearan  agus  mu  dhrong- 
aireachd  cha.  robh  duine  anns  a'  choimh- 
thional nach  robh  toilichte  gu  robh  each  a' 
faotainn  sgrailleadh  cho  goirt.  Bha  e  air  a 
radh  anns  an  sglreachd  nach  robh  urnuigh- 
•ean  an  Dotair  cho  soisgeulach  no  cho  spior- 
adail  ri  urnuighean  Mhic  Aoidh,  ministear 
na  h-eaglais  Shaoir,  gu  s6nruichte  aig  leab- 
^aidh  tinneis,  ach  chuireadh  e  fion  is  sugh 
fe61a  gu  bochdan  an  uair  nach  cuireadh  am 
fear  eile  dad. 

Bha  an  da  mhinistear  cho  cairdeil  coimh- 
earsnachail  's  a  b'  urrainn  dithis  d'  an 
seorsa  a  bhith  aig  am  anns  an  robh  daoine 
gu  maith  teth  a  thaobh  eaglaisean,  ach 
tharruing  an  duine  iad  r'a  cheile  na  bu 
dliithe  na  bha  iad  riamh  roimhe.  Ach  feum- 
aidh  mi  innseadh  c6  a  bha  anns  an  duine. 
Anns  an  sglreachd  bha  Sasunnach,  aig  an  robh 
oighreachd  bheag,  nach  robh  toilichte  an  dara 
■cuid  leis  an  Dotair  Mac  Amhlaidh  no  le  Mghr 
Mac  Aoidh.  Bha  e  a'  cumail  a  mach  nach 
robh  iad  dichiollach  gu  leoir  agus  nach  b' 
ihearr  cor  an  t-sluaigh  anns  an  t-Sronbh- 
Tiidhe  na  cor  nan  Innseanach,  agus  mar  sin 
fhuair  e  fear  de  na  daoine  a  siorramachd 
Bois  air  a  chosdus  fh^in,  agus  chuir  e  a 
shearmonachadh  e  am  measg  an  t-sluaigh, 
gus  bainne  fior  an  t>soisgeil  a  thoirt  daibh. 
Cha  do  chord  so  ris  an  da  mhinistir,  agus 
cha  mho  a  bha  iarraidh  air  bith  aig  an  t- 
sluagh  air  an  duine.  Bha  aodann  air  cho 
fada  ri  slat-iasgaich,  agus  fad  na  seirbhis 
Wiiodh  e  ri  osnaich  is  ochanaich  nach  cualas 
riamh  an  leithid.  Ach  stadadh  an  osnaich 
gle  luath  na'n  iarradh  tu  air  dram  a  ghabh- 
ail.  Latha  a  bha  e  a'  gahail  an  aiseig  air 
an  Dvnara,  agus  cuid  de  na  bha  air  bord 
a'  gabhail  seallaidh  air  muc  mhor  reamhar 
as  an  Eilein  Sgitheanach  a  bha  dol  gu  buids- 
«ir  ann  an  Grianaig,  tharruing  an  duine 
osna  throm  agus  thuirt  e,  Och,  och,  nach  hu 
mhaith  dhuinn  uile  na'n  robh  sinn  cho  deas 
■air  son  a  hhdis  ris  a,'  tnhuic  so  ! 

Bha  am  facal  a  labhair  an  duine  cho 
neonach  's  gu  'n  do  chuir  mise  romham  an 
tuilleadh  eolais  fhaotainn  air.  Thuirt  mi 
ann  an  cagar  ri  Calum  Brocair  a  bha  comhla 
rium  an  cuireadh  e  miothlachd  air  an  duine 
na'n  iarrainn  air  dol  siosi  leinn  do'n  cheab- 
ainn  "  Miothlachd  !"  arsa  Calum,  gu  dearbh 
€ha  chuir  ;  bha  mise  agus  e  fhein  da  uair  anns 


a'  cheabainn  an  diugh  cheana.     Chaidh  sinn 

siosi,  an  duine  fad  na  h-uine  ag  osnaich  agus 

ag  ochanaich,  "Is  e  an  Tighearna,"  ars'  esan, 

"  a    chuir    ann    ad    chridhe    caoimhneas    a 

nochdadh  d'a  sheirbhiseach. "       An    uair    a 

chuir  an  stulbhard  an  dram  air  ar  beulaobh 

thog  mise  agus  Calum  ar  gloineachan,  a'  dol 

a  dh'  61  a  shlainte,  ach  dh'  eirich  an  duine 

'n   a  sheasamh   agus  rinn  e   altachadh   agus 

theab  nach   sguireadh   e.     Gus  tarruing   as, 

thuirt  Calum  ris,  "  Nach  saoilinn  gu'n  dean- 

adh   aon   altachadh  feum  air   son  an  latha ; 

rinn  sibh  altachadh  an  diugh  cheana  an  uair 

a  bha  sinn  a  bhos  a'  gabhail  drama  !        Co 

dhiu  is  e  sin  an  doigh  a  bhios  aig  Para  Mac 

Laomainn     ann     an     Griobunn    an     uair     a 

mharbhas  e  mart    aig    toiseach    a'    gheamh- 

raidh.     Ni  an  aon  altachadh  feum  gus  am  bi 

am  baraile  feola  ullamh."   "  Ochan  !  ochan  ! 

ars'    an    duine,   bha   e   air    innseadh   leis   na 

faidhean  gu'n  tigeadh  amannan  cunnartach 

is  marbhantachd  spioradail  anns  na  laithean 

deireannach ;  tha  Para  Mac  Laomuinn  boc:hd 

ann  an  domhlas  na  seirbhe  agus  fo  chuibh- 

reach  na  h-eucorach.      Ochan,  ochan,  tha  an 

claidheamh  air  a  gheurachadh  agus  fos  air  a 

liomhadh,    agus  tha    breitheanas    am     fagus 

dhaibh-san  uile  a  tha  ag  aoradh  ann  an  tigh 

Rimmoin,     a'     truailleadh     na    h-eaglais     le 

orgain  agus  laoidhean,  ach  tha  iarmad  anns 

an  tir  nach  do  lub  an  glun  ann  an  sionagog 

Shatain.  Ochan,     ochan,     mo     thruaighe 

Albainn Deagh  spiorad  a  tha  iad  a' 

gleidheadh  air    an    Dunara,    theirinn    gur    e 

stuth  Cheannloch  a  tha  ann,   air  neo  Talas- 

cair.        Tha  trocairean    an    Ti    naoimh    mor 

agus  lionmhor ;  nach  do  shuidh  Clann  Israeli 

fein   laimh  ris   na.  craobhan   pailme  ann   an 

Elim,  agus  nach  robh  na  h-uisgeachan  mills 

d'  am  bias  ! 

****** 

"  Latha  a  bha  mi  a'  bruidhinn  ri  Dughall 
Mor,  fear  de  'n  choimhthional  aig  Mghi-. 
Mac  Aoidh,  thuirt  e  rium  nach  robh  e  fhein  a' 
dol  do'n  eaglais  ro  thric,  ach  gu'm  biodh  a 
bhean  a'  dol  innte. 

"Agus  c'ar  son  nach  bi  thu  fhein  a'  dol 
do'n  eaglais?" 

"  Cha  'n  'eil  e  furasda  dhomhsa  dol  do'n 
eaglais  leis  an  tarbh  ruadh  a  tha  anns  a' 
bhaile  ud  thall.  Is  aithne  dha  latha  na 
Sabaid  a  cheart  cho  mhaith  ruibh  fein,  aeus 
a  cheart  cho  cinnteach  's  a  theid  mise  do'n 
eaglais,  thig  esan  troimh  'n  abhainn  agus 
bidh  e  an  so  an  uair  a  thig  mi  dhachaidh. 
Ach  ged  nach  biodh  an  tarbh  idir  ann  theag- 
amh  nach  bithinn-sa  anns  an  eaglais  ro 
bhitheanta,  oir  cha  toigh  leam  am  ministear 
a  tha  againn,  agus  a  dh'  innseadh  na  firinn, 
cha  do  chuir  mi  m'  ainm  ris  a'  ghairm  a  thug 
iad  dha." 


16 


"  Ciod  a  tha  agad  'n  a  laghaidh. " 

"  A  dh'  aon  ni  tha  droch  Ghaidhlig  aige, 
Gaidhlig  thuathach,  agus  tha  e  duilich  a 
thuigsinn.  Rud  eile  dheth  tha  na  searmoin 
aige  ro  fbada ;  tha  e  coltach  ri  droch  ghunna, 
sgaoilidh  an  urchair  aige  gu  h-eagallach." 
Bidh  e  a"  bruidhinn  air  fichead  rud  anns  an 
aon  t-searmon.  Tha  iad  ag  innseadh  dhomh 
gu  robh  e  a'  smiiideadh  bho  chionn  tri  Sabaid- 
ean  air  an  dii-ine  a  thug  an  -Sasunnach  do  'n 
duthaich.  Uairean  eile  bidh  e  a'  smuideadh 
air  a'  Phapa,  agus  air  na  Socinians,  agus  na 
Voluntaries.  Ach  an  cuala  sibh  riamh  mar 
a  thachair  dha  an  la  a  bha  e  a'  searmonach- 
adh  anns  an  Leideig. " 

"Cha  chuala." 

"An  uair  a  chaidh  e  do'n  chubaid  bha 
palpear  ri  taobh  a'  Bhiobuill  air  an  robh  e 
air  a  sgriobhadh  gu  robh  urnuighean  a' 
choimhthionail  air  an  iarraidh  air  son  duine 
a  chain  a  bhean.  Rinn  Mghr.  Mac  Aoidh 
iirnuigh  fhada  dhurachdach  air  son  an  duine ; 
ach  an  \iair  a  sgaoil  an  eaglais  dh'  innis  fear 
de  na  foirfich  dha  gu  robh  bliadhna  mhor 
bho  chaidh  am  paipear  ud  a  chur  anns  a' 
chubaid,  agus  gu  robh  an  duine  fhein  anns 
an  eaglais  ag  eisdeachd  ris  an  urnuigh,  agus 
hean  vr  aige. 

"Ach  ged  a  tha  Mghr.  Mac  Aoidh  trom 
trom  air  a'  Phapa  tha  e  na's  truime  air 
duine-eigin  ris  an  abair  e  Darwin.  Bidh  e 
ag  innseadh  dhuinn  nach  robh  duine  riamh 
air  an  t-saoghal  cho  beag  tiiir  ri  Darwin ;  gu 
bheil  e  ag  radh  nach  robh  Adhamh  air  a 
chruthachadh  idir  mar  a  tha  am  Biobull  ag 
innseadh,  ach  gu'n  d'  thainig  an  duine  bho 
rud-eigin  coltach  ri  muir-teuchd,  agus  an  sin 
gu'n  do  thoisich  am  muir-teuchd  air  streap 
-suas  anns  an  t-saoghal  gus  mu  dheireadh  an 
d'  fhas  e  'n  a  mhoncaidh,  agus  an  uair  a 
chain  am  moncaidh  'earball  le  bhi  suidhe 
air  agus  a  dh'  ionnsaich  e  seasamh  air  a 
chasan  deiridh,  gu'n  do  rinn  Dia  duine 
dheth." 

"Ged  nach  bi  mise  mi  fhein  a'  dol  do'n 
eaglais,"  arsa  Dughall,  "  agus  a  tha  m\  gle 
choma  ged  a  chuireadh  Darwin  an  Diabhol 
as  (tha  iad  ag  radh  gu  bheil  e  a'  feiichainn 
ri  sin  a  dheanamh),  is  gasda  leam  a  bhi  ag 
eisdeachd  ri  argumaid  uime  ann  an  ceabainn 
a'  Chlansman.  Chuala  sibh  iomradh  air  a' 
Ghlavsmam,  bata  cho  comhfhurtachail  's  a 
tha  dol  mu'n  cuairt  na  Maoile,  agus  a  tha 
tadhall  anns  a  h-uile  port  eadar  an  t-Oban 
agus  Steornabhagh.  Am  bitheantas  tha  uir- 
ead  sheorsachan  dhaoine  innte  's  a  tha  innte 
-  de  char  ago  :  Sasunnaich  a'  dol  do  na  h-eil- 
eanan  a  shealg  no  a  dh'  iasgach  ;  ministearan 
a'  tighinn  dachaidh  o'n  t-Seanadh  ;  marsan- 
tan  eisg,  is  marsantan  gual,  is  marsantan 
aodaich,  is  marsantan  bathair  ;  drobhairean 
is:  sgoilearan  oga  :  tuathanaich  is  ciobairean  : 


agus  gle  thric  daoine  o  Bhord  an  fhearainn_ 
An  uair  a  lasar  na  soluis  anns  a'  cheabainn 
agus  a  chuirear  na  gloineachan  air  a'  bhord 
agus  a  thoisicheas  seanchas,  faodaidh  tu  a  bhi 
cinnteach  gur  h-ann  aig  eaglaisean  is  creid- 
eamh  is  creud  a  stadas  e,  ged  a  dh'  fhaodas 
gur  h-ann  aig  prisean  ghamhna  aig  an 
Eaglais  Bhric  a  thoisich  e. " 

"  Uair  a  bha  sinn  anns  a'  Chlansman, 
agus  sinn  a'  gabhail  drama  anns  a'  cheabainn 
bha  sinn  a'  connsachadh  gu  maith  teth  mu'n 
t-saoghal  eile.  Thuirt  Sasunnach  a  bha 
anns  a'  chuideachd  nach  robh  anam  ann  an 
duine  na's  mo  na  tha  e  ann  am  muic,  agus 
nach  biodh  e  aig  uair  a  bhais  ach  mar  gu'm 
biodh  beathach  eile.  Chuir  so  fearg  uamh- 
asach  air  ministear  de'n  eaglais  Shaoir  a 
bha  'n  a  shineadh  air  suidheachan,  agus 
leum  8  'n  a  sheasamh  gus  dol  an  caramh  an 
t-Sasunnaich.  Ach  ghlaoidh  ban-Eirionn- 
ach  a  bha  'n  a  suidhe  anns  a'  cheabainn  ris, 
"  Ud,  Ud,  a  mhinistir,  leigibh  leis  a'  chreut 
air  dhona  ;  nach  d'  thuirt  e  fhein  nach  'eil 
ann  ach  a'  mhuc  co-dhiii ;  agus  mar  is  tinne 
a  bheireas  sibh  air  earball  muice  is  ann  is 
motha  a  ni  i  de  sgiamhail." 

"Tha  sin  coltach  ris  a'  bhaillidh  nach  robh 
a'  creidsinn  ann  an  Dia  no  ann  an  saoghal 
eile,  agus  a  bhiodh  a'  magadh  air  daoine  a 
bhiodh  a'  dol  do'n  eaglais.  Thainig  rud- 
eigin  cearr  air  a'  ghruthan  aige  (bha  gruth- 
an  an  uisge-bheatha  aige)  agus  chaidh  min- 
istear na  sgireachd  'ga  amharc  an  uair  a 
chual  6  gu  robh  e  tinn.  Cha  robh  modh  anns 
a'  bhaillidh  co-dhiu,  ach  bha  na  bu  lugha 
aige  air  fad  an  uair  a  chaidh  a  ghruthan  air 
aimhreit,  agus  thuirt  e  ris  a'  mhinistear,  m*" 
an  gann  a  shuidh  e,  gun  e  a  dheanamh  iirn- 
uigh 'na  sheomar-san  oir  nach  robh  e  a'' 
creidsinn  ann  am  faoineas  de'n  t-seorsa  sin, 
agus  nach  robh  anam  ann  na  bu  mho  na 
bha  anns  an  each  ruadh  aige.  Cha  d'  thubhairt 
am  ministear  a'  bheag  aiij'an  am,  ach  an 
tiair  a  bha  e  a'  falbh,  dh'  iarr  am  baillidh 
air  tadhall  ann  an  tigh  an  dotair  agus  iarr- 
aidh air  tighinn  far  an  robh  e  gun  dail.  "Ni 
mi  sin,"  ars'  am  ministear,  "  ach  an  uair  a 
rainig  e  an  dorus,  thionndaidh  e  air  a  shaiT 
agus  thuirt  e  ris  a'  bhaillidh,  Nach  fhearr 
dhomh  dol  a   dh'   iarraidh  an  vetV 

An  cuala  sibh  riamh  an  rud  a  thuirt  Para 
Mac  Laomainn  ris  na  Collaich  a  bha  tighinn 
dachaidh  o'n  Fhaidhir  Mhuilich  agus  iad  air 
an  leth  dhalladh,  agus  iad  a'  gearan  gu 
cruaidh  gu  robh  Dods  agus  Bruce  a'  toirt 
if  rinn  agus  an  Diabhoil  o  dhaoine?  "  Co- 
air  bith,"  arsa  Para,  "  d'  am  bi  a  cball  sin, 
cha  'n  ann  do  m.hninnfir  Cholla  "  Uair  eile- 
agus  iad  a'  caineadh  sgoilearan  a  bha  toirt 
bhuapa  criomain  de'n  BhiobuU  thuirt  e, 
"  Nach  coma  dhuibh-sa  oir  cha  'n  'eil  sibh  a'' 
leughadh  an  leabhair  co-dhiu." 


Air.    5. 


1924. 


SUIM  NA  DIADTIAIDHEACHD. 


Dfa'  innis  e  dhuit,  0  dhuine,  ciod  a  tha 
maith ;  agus  ciod  a  tha  lehobhah  ag  iarraidh 
ort,  ach  ceartas  a  dheanamh,  tr^cair  a 
ghrad'hachadh,  agus  gluasad  gu  h-iriosal 
maille  ri  d'  Dhia. — Micah^  vi,  8. 

Bho  thoiseach  an  t-saoghail  bha  a'  cheist 
so  ann  an  cridhe  mhic  an  duine,  Ciod  a  tha 
lehobhah  ag  iarraidh  oirnn,  agus  ciod  leis  an 
tig  einn  an  lathair  an  Ti  as  airde?  Anns  na 
laithean  deireannach  so  that  fhios  againn  uile 
gu  maith  ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  oirnn, 
oo  dhiu  a  tha  sinn  'g  a  dheanamh  no  nach 
'eil,  ach  ann  an  6g-mhaduinn  an  t-saoghail 
cha  robh  an  t-eolas  sin  aig  ar  n-aithrichean. 
Oia  'n  ann  a  dh'  aon  bhoillsgeadh  a  thainig 
salue  na  firinn  ach  uigh  ar  n-uigh,  aithne 
air  aithne,  riaghailt  air  riaghailt,  beagan  an 
so,  beagan  an  sud.  Labhair  Dia  o  shean  an 
iomadh  earrainn  agus  air  iomadh  doigh  m' 
an  do  labhair  e  le  Mhac.  Agus  ged  a  dh' 
fhaodas  an  creideamh  a  bha  aig  Israel  ann  an 
toiseach  a  h-eachdraidh  mu  Dhia  agus  mu 
dhia-dhaidheachd  a  bhi  leanabail  'n  ar  suil- 
ean-ne,  is  e  an  creideamh  sin  a'  ghucag  as  an 
d'  thainig  an  creideamh  Criosduidh  ann  an 
lanachd  na  h-aimsir.  am  brat-speilidh  anns 
an  robh  Slanuighear  an  t-saoghail  paisgte. 
An  uair  a  bha  daoine  a'  tairgseadh  tharbh  is 
reitheachan  do  Dhia  air  ghaol  a  bhi  ann  an 
reite  ris,  air  neo  a'  toirt  toradh  an  cuirp  dha 
air  son  peacaidh  an  anama,  bha  iad  a'  dean- 
amh  sin  a  chionn  gu  robh  e  'na  fhaochadh 
d'  an  coguis  a  bha  toirt  fianuis  'nan  aghaidh. 
Cha  b'  aithne  dhaibh  d6igh  a  b'  fhearr  air 
an  cionta  aideachadh  no  air  fabhar  Dhe  a 
diosnadh.  B'e  sud  an  doigh  anns  am  bu 
ghnath  le6  dol  an  lathair  righrean  is  mhaith- 
ean  na  talmhainn,  agus  ciod  an  t-ionghnadh 
gu'n  saoileadh  iad  gu'n  eisdeadh  an  Righ 
M6r  r'  an  ath-chuinge  air  sgath  an  tabhart- 
asan?  Ach  lion  beag  is  beag,  fo  theagasg 
nam  faidhean  aig  an  robh  inntinn  a  bu 
spioradaile  agus  a  bu  gheire  na  bha  aig  na 
sagartan,  chuir  Israel  na  seann  nithean  sin 
air  chul  agus  rainig  i  air  an  fhirinn  a  chuir 
an  Slanuighear  anns  na  briathran,  "Is 
Spiorad  Dia  :  agus  is  eigin  d'a  luchd-aoraidh 
aoradh  a  dheanamh  ann  an  spiorad  agus 
ann  am  firinn."  Co  dhiu,  fhuair  a'  chuid 
a  b'  fhearr  de  'n  t-sluagh  greim  air  an 
fhirinn  so. 

Is  e  an  t-seirbhis  mh6r  a  rinn  na  faidhean 
ann  an  Israel,  gu'n  do  dhearg  iad  air  inn- 
tinn an  t-sluaigh  nach  b'  urrainn  dhaibh 
Dia  a  thoileachadh,  agus  nach  gabhadh  e  r' 
an  aoradh  as  eugmhais  an  caitheam.h-heathu 


a  bhi  ceart.  Shearmonaich  iad  air  a'  cheann- 
teagaisg  sin  gun  sgur,  agus  bha  feum  air, 
oir  bha  an  luchd-duthcha  a'  saoilsinn  gu 
robh  cuisean  ceart  eadar  iad  fein  agus  Dia,, 
na'n  tigeadh  iad  'na  lathair  le  tabhartasan 
aig  amannan  sonruichte  agus  ann  an  aitean 
suidhichte  a  reir  riaghailtean  nan  sagar- 
tan, CO  dhiu  a  bha  no  nach  robh  iad  'nan 
daoine  firinneach,    onorach,  stuama. 

"  Ciod  e  lionmhorachd  ur  n-iohairtean 
domh-sa?  deir  lehobhah;  na  tugaibh  tabh- 
artas  diomhain  uaibh  ni's  wo;  nighibh, 
glanaibh;  cuiribh  air  falbh  olc  'iir  dean- 
adais  as  mo  shealladh  :  sguiribh  de,  dhean- 
amh uilc  ;  foghlumaibh  maith  a  dheanamh  : 
iarraihh  breitheanas ;  cuiribh  ceart  an  t- 
ainnearfach;  cumaibh  coir  ris  an  dill- 
eachdan;  tagrdibh  ctiis  na  hantraich." 
Isaiah  I. 

An  rud  a  bha  ann  tha  e  ann  fhathast,  agus- 
gus  an  latha  diugh  tha  an  droch  ph6r  so, 
an  cogull  a  thachd  facal  Dhe  ann  an  cridhe 
Israeli,  a'  fas  ann  an  cridhe  mhic  an  duine. 
Oir  tha  daoine  ullamh  gu  bhi  'g  am  meall- 
adh  fein  nach  seall  Dia  air  a'  chridhe,  agus 
gu'ni  faod  iad  a  bhi  diadhaidh  gun  a  bhi 
ceart  is  trocaireach  is  iriosal.  Ach  cha 
ghabh  dealachadh  a  dheanamh  eadar  spior- 
adalachd  is  moraltachd,  eadar  diadhaidh- 
eachd  is  fireantachd  ;  that  iad  a'  dol  ann  an 
oois  a  cheile,  agus  an  ni  a  cheangail  Dia  na 
cuireadh  duine  fa  sgaoil. 

Ciod  a  tha  Dia  ag  iarr-aidh  ort  ach  ceartas 
a  dheanamh  agus  trocair  a  ghrddhachadh 
agus  gluasad.  gu  h-iriosal  maille  ri  d'  Dia? 
Cha  ruigear  a  leas  argumaid  a  dheanamh  mu 
na  briathran  so,  oir  cho  luath  's  a  chluinn- 
ear  iad  gabhar  riutha.  Tha  reusan  is  coguis 
an  duine  ag  aontachadh  leis  an  fhirinn.  An 
neach  a  ni  ceartas  agus  a  ghradhaicheas  troc- 
air agus  a  ghluaiseas  gu  h-iriosal  maille  ri 
Dia,  faodaidh  e  dol  an  lathair  Dhe  le  dan- 
achd  naomh,  ann  an  Ian  dearbhachd  gu'n 
aidich  Dia  e  mar  mhac.  Sin  teagasg  Mhicah, 
agus  their  cuid  de  dhaoine  ruinn  gu  bheil  an 
soisgeul  uile  ann.  Ann  an  seadh  tha  sin  flor, 
oir  is  e  crloch  araid  an  t-soisgeil  gu'n  tionn- 
dadh  e  daoine  gu  ceartas  a  dheanamh,  agus 
trocair  a  ghradhachadh,  agus  gluasad  gu 
h-iriosal  maille  ri  Dia.  Ach  c'  aite  an 
ionnsaichear  ciod  e  ceartas  is  trocair  is 
irioslachd  ach  a  mhain  fo  theagasg  an  t- 
soisareil?  Nacb  e  losa  Criosd  a  nochd  do'n 
t-saoghal  'na  bheatha  fein  maise  nam  beusan 
naomha  sin  !  Agus  c'  aite  am  faigh  daoine 
lag  peacach  neart  air  son  briathran  an 
fhaidh  a  choimhlionadh  ach  a  mhain  o'n  t- 
Slariuighear  anns  am  bheil  cumhachd  Dh6, 
agus  a  gheall  a  bhi  do    gtnath    maille    riu. 


18 


Cha  do  rinn  an  soisgeul  briathran  an  fhaidh 
sean,  agus;  cha  mho  a  chuir  e  air  chul  iad, 
ach  lion  e  iad  le  brigh  is  reamhrachd  nach 
robh  annta  an  toiseach,  air  chor  agus  gu 
bheil  daoine  a  nis  a'  faicinn  airde  is  leud  is 
doimhne  annta  nach  faca  Micah  fein.  Is  e 
teagasg  is  beatha  Chriosd  as  aobhar  dha  sin. 
Ma  tha  e  fior  gur  e  na  nithean  a  dh'  ainm- 
ich  am  faidh  "  siuim  na  diadhaidheachd," 
tha  e  fior  mar  an  ceudna  nach  ruigear  orra 
gu  brath  ach  fo  bhuaidh  spiorad  an  t-soisg- 
eil.  Is  ann  fo  theagasg  Chriosd  agus  ann 
an  oo-chomunn  a  spioraid-san  a  bheir  cridhe 
mhic  an  duine  a  mach  toradh  na  naomhachd. 
"  Fanaibh  annam-sa  agus  mise  annaibh- 
se."  Far  am  bheil  an  t-aonadh  sin,  bithidh 
a  thoradh.  ladsan  aig  am  bheil  gradh 
dhasan  fuathaichidh  iad  olc,  agus  faodar  dol 
an  urras  orra  gu'm  bi  iad,  an  da  chuid, 
trocaireach  agus  iriosal. 


GNIOMHARAN    NAN    ABSTOL. 


Bha  an  leabhar  so  air  a  sgriobhadh  le 
Lucas,  fear-eachdraidh  a  b'  fhearr  a  bha  ^ 
anns  an  eaglais  Chriosduidh  anns  a'  cheud  ' 
linn.  Chuir  Lucas  oomain  air  an  t-saoghal 
nach  gach  innseadh,  oir  ged  nach  robh  e  air 
aireamh  am  measg  nan  abstol  sgriobh  e 
barrachd  de'n  Tiomnadh  Nuadh  na  sgriobh 
neach  eile.  Cha  'n  e  mhain  gu'n  do  rinn  e 
sin  ach  is  e  a  sgriobh  an  crioman  sin  de 
eachdraidh  na  h-eaglais  anns  am  faicear 
ciamar  a  bha  a  bunaitean  air  an  leagail  agus 
ciamar  a  bha  i  air  a  stiuradh  leis  an  Spiorad 
Naomh  ann  an  toiseach  a  laithean.  As 
eugmhais  an  leabhair  so  bhiodh  cursa  na  h- 
eaglais  anns  a'  cheud  linn  anabarrach  dor- 
cha  ague  cha  bhiodh  leus  soluis  againn  air  na 
h-amannan  sin  ach  am  beagan  a  tha  litrich- 
«an  Phoil  a'  toirt  dhuinn.  Cha  bhiodh  e 
furasda  do  dhiadhairean  bun  no  barr  a 
dheanamh  de  litrichean  Phoil,  no  an  eachd- 
raidh a  tha  annta  a  thathadh  ri  ch^ile  mur 
biodh  Gniomharan  nan  Abstol  aca,  'g  an 
cumail  oeart. 

Tuigear  uaith  so,  mata,  gu  bheil  sinn  gu 
buileach  ann  an  eiseimeil  Lucais  airson  an 
e61ais  a  tha  againn  mu  chraobh-sgaoileadh 
an  t-soisgeil  eadar  bas  Chriosd  agus  bas 
Phoil,  agus  b'e  sin  na  bliadhnachan  anns  an 
robh  na  miorbhuilean  as  motha  a  thachair 
riamh  ann  an  eachdraidh  na  h-eaglais  air  an 
deanamh  le  cumhachd  an  Spioraid.  A  thaobh 
beatha  Chriosd  agus  na  nithean  a  thachair 
^n  uair  a  bha  e  air  thalamh  tha  ceithir  fian- 
uisean  againn;  Mata,  Marc,  Lucas,  is  Eoin ; 
agus  ged  bhiodh  fear  de  na  fianuisean  sin 
air  chall  cha  bu  chall  nach  gabhadh  leasach- 
adh  e,    ged  bu  chall   mor  e.     Ach   a  thaobh 


cursa  na  h-eaglais  o  latha  na  Caingis  'nuair 
a  fhuair  i  tiodhlac  an  Spioraid  Naoimh  gu 
deireadh  na  ceud  linn  'nuair  a  bha  eaglais- 
ean  air  an  suidheachadh  anns  gach  cearn 
eadar  lerusalem  agvis  an  Roimh,  cha  'n  'eil 
againn  ach  aon  fhianuis,  agufi  is  e  sin  an 
leabhar  a  sgriobh  Lucas,  air  chor  agus  gu'm 
bu  chall  nach  gabhadh  leasachadh  call  an 
leabhair  so.  Bha  Lucas  'n  a  dhuine  ciallach, 
creideasach,  aig  an  robh  inntinn  fharsaiing 
is  aig  an  robh  meas  air  firinn ;  agus  tha 
aobhar  againn  a  bhi  creidsinn  gur  e  lamh 
an  Tighearna  a  thagh  e  a  measg  chaich  a 
chum  cunntas  cinnteach  a  thoirt  do  na  linn- 
tean  a  thainig  'na  dheidh,  air  na  gniomh- 
aran a  rinn  na  h-abstoil. 

Ged  a  theirear  Gniomharan  nan  Abstol  ris 
an  leabhar  an  diugh  cha  'n  'eil  e  coltach  gur 
e  Lucas  fein  a  thug  dha  an  t-ainm  sin.  Cha 
"n  'eil  an  t-ainm  uile  gu  leir  freagarrach  oir 
cha  'n  'eil  an  leabhar  a  toirt  cunntais  ach  air 
heagan  de'n  obair  a  rinn  fear  no  dha  de  na 
h-abstoil.  Anns  a'  cheud  chuid  de'n  leabhar 
cha  'n  'eil  iomradh  air  abstol  ach  Peadar, 
ged  tha  moran  air  a  radh  mu  ghniomharan 
Philip  is  Stephein,  daoine  nach  robh  'n  an 
abstoil  idir.  Agus  anns  a'  chuid  mu  dheir- 
eadh  de'n  leabhar  is  ann  air  obair  Phoil  a 
mhain  a  tha  Lucas  a'  tighinn  thairis. 

Is  e  an  t-aobhar  sonraichte  a  bha  aig 
Lucas  'e  an  t-sealladh  ann  an  sgriobhadh  an 
leabhair  cunntas  a  thoirt  air  fas  is  einneas 
a'  chreidimh  Chriosduidh  o  la  na  Caingia 
gus  an  do  rainig  an  soisgeul  an  R6imh. 
Anns  an  t-soisgeul  a  sgriobh  e  dh'  innis-  e 
mu  na  nithean  a  rinn  ague  a  theagaisg  losa 
gus  an  la  an  do  thogadh  suas  E,  agus  anne 
an  leabhar  so  tha  e  a'  dol  air  aghaidh  leis 
an  naigheachd  agus  ag  innseadh  mu  na 
nithean  a  rinn  Criosd  anns  an  eaglai*  1© 
cumhachd  an  spioraid  a  bhuilich  e  air  na  h- 
abstoil.  Tha  an  leabhar  a'  lionadh  a'  bheal- 
aich  eadar  an  soisgeal  agus  litrichean  nan 
abstol.  Shaoileamaid  o'n  doigh  anns  an  do 
chriochnaich  Lucas  a  shoisgeul  gu'n  do- 
thogadh  Criosd  suas  gu  nfeamh  air  latha 
'aiseirigh,  ach  anns  an  leabhar  .so  tha  e  a' 
toiseachadh  air  a  naigheachd  le  bhi  ag  inn- 
seadh gu  robh  Criosd  air  thalamh  da  fhicihead 
la  an  deidh  dha  eirigh  o  na  marbhaibh  ague 
gu'n  do  labhair  e  ris  na  h-abstoil  mu  na 
nithean  a  bhuineadh  do  rioghachd  Dhe. 
Labhair  e  riu  mar  an  ceudna  mu  thiodhlac 
an  Spioraid  Naoimh  a  bha  gu  bhi  air  a 
thoirt  dhaibh,  agus  dh'  innis  e  dhaibh  gu'm 
biodh  iad  'n  am  fianuisean  dha-san  ann  an 
lerusalem,  ann  an  ludea  uile,  ann  an  Sam- 
aria, agus  gu  iomall  na  talmhainn. 

Air  do  Chriosd  a  bhi  air  a  thogail  suae, 
b'e  a'  cheud  char  ris  an  do  chuir  na  h-abstoil 
an  lamh.  aite  ludais  a  lionadh.  agus  air 
dhaibh  Matias  a  thaghadh,  dh'  fheith  iad  ann 


19 


j&n  lerusalem  ri  teachd  an  Spioraid  Naoimh. 

Tha  an  naigheachd  a  bha  aig  Lucas  r'a 
innseadh  a'  toiseachadh  anns  an  dara  caibid- 
•eil  anns  a  bheil  e  ag  radh,  "An  uair  a  thainig 
la  na  Caingis  bha  iad  gu  leir  a  dh'  aon  inn- 
tinn  ann  an  aon  aite,  agus  thainig  gu  h- 
obann  toirm  o  neamh,  agus  lionadh  iad  uile 
leis  an  Spiorad  Naomh,  agus  thoisich  iad  air 
labhairt  le  teangaibh  eile,  a  reir  mar  a  thug 
an  spiorad  cx>mas  labhairt  dhaibh. "  B'e 
so  la-breith  na  h-eaglais,  agus  anns  a' 
chorr  de  'n  leabhar  tha  Lucas  ag  innseadh 
ciamar  a  dh'  fhas  an  eaglais  a  chuireadh  air 
chois  anns  an  doigh  so  le  comharran  foUais- 
«ach  is  miorbhuileach,  gus  an  do  rainig  an 
creideamh  Criosduidh  iomallan  na  talmh- 
ainn  mar  dh'   innis  Criosd  roimh  laimh. 

Faodar  an  leabhar  a  roinn  'n  a  choig 
earrannan  : — 

(1)  Caib.    II — Tin,   3. — Fas  ?ia  h-eaglais  ann 

an  J erusalem. 

(2)  Caib.   rtii,    4 — xi,    18. — Fds  na  h-eaglais 

ann  an  Samaria. 

(3)  Caib.    ii,    19 — xiii,    ?>.—Fas  na  h-eaglais 

ann  an  Antioch. 
{4)  Caib.    mij    4r — xxi,    16. — Turusan   soisg- 

eidach  Phoil. 
(5)    Caib.   xxi,   17 — xxviii,   31. — Turns  Phoil 

do  lerusalem  agus  do^n  Roimh. 
A'  CHEUD  EARRANN.  Anns  a'  chuid 
60  de'n  leabhar  tha  Lucas  ag  innseadh  mar 
a  dh'  fhas  an  eaglais  ann  an  lerusalem  o  la 
na  Caingis,  agus  bho  na  nithean  air  an  do 
rinn  e  iomradh  tha  e  soilleir  gur  e  a  bha  aige 
'«  an  t-sealladh  aire  a  luchd-leughaidh  a 
tharruing  a  dh'  ionnsuidh  cumhachd  is 
ughdarras  nan  abstol.  Mar  chomharradh 
air  a'  chumhachd  a  fhuair  iad  le  teachd  an 
"Spioraid,  tha  e  a'  toirt  am  follais  searmon 
druighteach  a  liubhair  Peadar  air  la  na 
Caingis,  searmon  a  bha  air  a  bheannachadh 
cho  mor  's  gu'n  robh  tri  mile  duine  air  an 
iompachadh  an  la  sin.  Mar  chomharradh 
eile  air  cumhachd  nan  abstol  tha  e  ag  inns- 
eadh mu'n  duine  bhacach  a  leighis  Peadar 
aig  geata  an  teampuill  agus  tha  e  ag  inns- 
eadh mu  mhisneach  Pheadair  is  Eoin  'nuair 
a  bha  iad  air  an  toirt  air  beulaobh  na  Comh- 
lairle.  Anns  a'  bhas  obann  a  thainig  air 
Ananias  agus  air  Saphira,  an  lorg  nam 
lareug  a  dh'  innis  iad,  chunnaic  Lucas 
comharradh  follaiseach  air  ughdarras  is 
cumhachd  nan  Abstol,  agus  is  e  sin  an  t- 
aobhar  gu'n  d'  thainig  e  thairis  air  an 
naigheachd.  Ann  an  aon  fhacal,  tha  a' 
cheud  earann  de'n  leabhar  a'  nochdadh  gu'n 
robh  cumhachd  anns  an  eaglais  oig  nach 
buineadh  do'n  t-saoghal,  cumhachd  a  fhuair 
i  o  'n  airde,  agus  ged  nach  leigeadh  uine  le 
Lucas  .iomradh  a  dheanamh  air  na  h-uile 
nithean  a  thachair  ann  an  toiseach  a  h-each- 
■draidh,  thagh  e  as  na  naigheachdan  a  fhuair 


e  o  dhaoine  creideasach  te  no  dha  a  blia  e  an 
duil  a  nochdadh  do  na  ginealan  a  thigeadh 
'na  dheidh  "  gu'n  do  rinneadh  moran  de 
mhiorbhuilean  agus  de  chomharran  leis  na 
h-abstoil." 

AN  DARA  EARRANN.  Tha  an  dara 
earrann  de  'n  leabhar  a'  dearbhadh  firinn  an 
fhacail,  gur  e  fuil  nam  martarach  siol  na 
h-eaglais.  'Nuair  a  dh'  fhas  na  Crios- 
duidhean  lionmhor  thoisich  seanairean  is 
sgriobhaichean  is  riaghlairean  nan  ludhach 
air  eagal  a  ghabhail,  agus  thainig  an 
gamhlas  a  bha  aca  do  luchd-leanmhuinn 
Chriosd  gu  airde  an  la  a  chual  iad  Stephen 
a'  liubhairt  teagaisg  a  bha  dhaibh-san  mar 
thoibheum.  Chuir  iad  Stephen  gu  bae 
''  agus  dh'  eirich  geur-leanmhuinn  mh6r  an 
aghaidh  na  h-eaglais  a  bha  ann  an  leruea- 
lem,  agus  bha  iad  uile  air  an  sgapadh  air 
feadh  tir  ludea  agus  Shamaria.  Uime  sin 
dh'  imich  an  dream  a  sgapadh  feadh  gach 
aite,  a'  searmonachadh  an  t\ia.c2t.\\.^'[Gniomh 
uiii,  1-i.)  Anns  a'  chuid  so  de'n  leabhar 
tha  Lucas  a'  leudachadh  air  a'  bhuannachd 
a  fhuair  an  eaglais  an  lorg  nan  trioblaidean 
a  thainig  oirre,  agus  chunnaic  e  anns  na 
nithean  a  thachair  ann  an  Samaria  fo  shear- 
monachadh  na  feadhnach  a  bha  air  am  fogar 
bho  lerusalem  comharradh  eile  air  cumh- 
achd is  run-diomhair  Dhe.  Tha  e  ag  inns- 
eadh mu  ghniomharan  comharraichte  a  bha 
air  an  deanamh  am  mea«g  chinneach  le 
P'eadar  is  Philip,  agus  a'  criochnachadh  na 
h-earrann  so  le  cunntas)  mionaideach  a  thoirt 
air  an  doigh  anns  an  robh  dorus  na  h-eaglais 
Chriosduidh  air  fhosgladh  le  Peadar  do'n 
chinneach  Cornelius,  (Gniomh  x.  l-Jf.8.)  B'e 
so  a'  cheud  uair  a  thairg  an  eaglais  saor 
ghras  Dhe  do  na  cinnich  agus  do'n  mhuinn- 
tir  a  bha  'n  an  coigrich  o  choimhcheangal 
Israeli,  agus  sheulaich  Dia  an  gniomh  a  rinn 
Peadar,  oir  "  th^iirling  an  Spiorad  Naomh 
orra-san  uile  a  ohual  am  facal."  (Gniomh 
X,  Iflf.)  Gu  ruige  so  is  e  Peadar  an  t-abetol 
a  tha  .siea^amh  os  cionn  chaich  ann  an  eachd- 
raidh  Lucais,  ach  anns  an  naoieamh  caibid- 
eil  tha  e  ag  innseadh  mu  iompachadh  Ph6il, 
agus  le  t«achd  Phoil  tha  ainm  Pheadair  a' 
tuiteam  a  mach  as  an  leabhar. 

AN  TREAS  EARRANN.  Anns  an  earann 
so  de'n  leabhar  tha  Lucas  a'  toirt  cunntas  air 
an  dusgadh  a  thachair  ann  an  Antioch  agu« 
a  bha  'n  a  mheadhon  air  aireamh  mhor  de  na 
cinnich  a  thoirt  a  steach  do'n  eaglais.  Cha 
robh  na  h-abstoil  a  dh'  aon  inntinn  a  thaobh 
nan  cinneach.  Bha  cuid  dhiubh  am  beachd 
gu'm  bu  choir  dhaibh  a  bhi  air  an  timchioll- 
ghearradh  m'an  gabhteadh  a  steach  iad  do'n 
eagrlais.  ach  bha  cuid  eile  am  beachd  nach 
robh  feum  sam  bith  ann  a  bhi  cur  seann 
chuingean  ludhach  mu  amhaichean  nan 
cinneach.      Ged  a  dh'  Eirich  a'  cheist  so  am 


20 


measg  seanairean  na  h-eaglais  roimhe  so,  is 
e  an  dusgadh  a  thachair  am  measg  nan  cinn- 
each  ann  an  Anticxih  agus  ann  an  aitean  eile 
fo  shearmonachadh  Ph5il  is  Bharnabais  a 
bu  mheadhon  air  a'  ghnothuch  a  thoirt  gu 
oeann-criche.  Bha  a'  cheist  air  a  deasbud 
anng  an  eaglais  fad  bhliadhnachan  gun  a 
bhi  air  a  reiteachadh,  ach  air  do  Phol  till- 
eadh  air  ais  bho  thurus  soisgeulach  chuir  e 
fein  is  Peadar  is  Seumas  an  gnothuch  an 
dara  taobh.  Fo  threorachadh  an  Spioraid 
Naoimh  thainig  iad  gu  co-dhunadh  nach 
robh  e  freagarrach  soisgeul  nan  saor-ghras 
a  chuibhreachadh  le  cleachdannan  an  t-seann 
lagha,  agus  mar  sin  reitich  iad  slighe  na  h- 
eaglais  am  measg  nan  cinneach. 

A'  CHEATHRAMH  AGUS  A'  CHOIG- 
EAMH  EARRANN.  Anns  an  Caib,  xiii,  2, 
tha  Lucas  ag  radh  mu  eaglais  Antioch,  "  air 
dhaibh  a  bhi  ri  ministreileachd  do'n  Tigh- 
earna  agus  a'  trasgadh,  thubhairt  an  Spiorad 
naomh,  Cuiribh  air  leth  dhomh-sa  Barna- 
bas agus  Saul  clium  na  h-oibre  gus  an  do 
ghairm  mi  iad."  B'e  sin  ceum  cho  soluimte 
agus  cho  buannaehdail  's  a  ghabh  an  eaglais 
riamh,  oir  le  saothair  is  searmonachadh 
Phoil  bha  an  soisgeul  air  a  ghiulan  gu 
iomall  na  talmhainn  is  bha  na  cinnich  air  an 
toirt  a  steach  do  eaglais  Chriosd.  Anns  a' 
chuid  so  de'n  leabhar  tha  Luoa«  a'  toirt 
ciinntas  mionaideach  air  beatha  is  obair 
Ph^il,  cunntas  a  tha  a'  comh-ch6rdadh  ris 
na  litrichean  a  sgriobh  P61  fein  ged  a  tha 
Lucas  a'  toirt  dhuinn  fiosrachaidh  mu  iom- 
adh  ni  air  nach  d'  thug  Pol  iomradh. 

Ciamar  a  fhuair  Lucas  eolas  air  na  nith- 
ean  a  dh'  innis  e  anns  an  leabhar  so?  Air 
omid  de  na  nithean  sin  bha  e  'n  a  shiiil- 
fhianuis  oir  bha  e  maille  ri  Pol  agus  r'a 
chomh-oibrichean  cuid  mhaith  bhliadh- 
nachan, agus  cha  'n  'eil  teagamh  nach  robh 
a  shuil  daonnan  air  an  leabhar  a  bha  e  am 
beachd  a  sgriobhadh.  Agus  a  thaobh  na 
oodach  eile,  na  nithean  a  thachair  ann  am 
bailtean  anns  naoh  robh  e  riamh,  na  sear- 
moin  agus  na  h-6raidean  a  tha  e  a'  cur  sios 
ged  nach  cual  e  iad,  agus  c6mhraidhean  a 
bha  eadar  daoine  nach  b'  aithne  dha,  tha  e 
coltach  gu'n  do  rinn  e  mar  a  bhios  luchd- 
eachdraidh  a'  deanamh  gus  an  la  an  diugh, 
gu'n  do  rannsaich  e  gach  cuil,  gu'n  do  cheas- 
naich  e  gach  duine  creideasach,  is  gu'n  do 
sgrud  e  gach  sgriobhadh  is  beul-aithris  a 
bheireadh  dha  forfhais  mu  fha«  na  h-eaglais 
agus  mu  na  gnlomharan  a  rinn  na  h-abstoil. 
A  thuilleadh  air  sin,  tha  aobhar  againn  a 
bhi  creidsinn  gu  robh  Lucas  air  a  sheoladh 
le  spiorad  an  Tighearna  'nuair  a  sgriobh  e 
mu  obair  nan  abstol  a'  cheart  cho  cinnteach 
's  a  bha  na  h-abstol  fh6in  air  an  stiuradh 
leis  an  uair  a  rinn  iad  na  nithean  mu'm 
bheil  esan  ag  innseadh.       Is  ann  do  'n  aon 


Mhaighstir  a  rinn  esan  agus  iadsan  seirbhis  ; 
is  e  an  t-aon  Spiorad  a  fhuair  iad,  agus  bha 
a^  chuid-san  de'n  obair  a  cheart  cho  feumail 
ris  na  miorbhuilean  a  rinn  Peadar  no  na 
searmoin  a  rinn  Pol.  Tha  dreach  na  flrinn 
air  an  eachdraidh  a  sgriobh  e,  agus  choimh- 
lion  6  ann  an  doigh  a  tha  anabarrach 
druighteach  an  run  a  bha  'n  a  chridhe  an 
uair  a  ghlac  e  am  peann,  a  dhearbhadh  do 
dhaoine  gu'n  d'  thainig  feartan  ura  is  cumh- 
achd  ur  do'n  t-saoghal  air  la  na  Caingis. 


LAOIDH  CREIDIMH. 

Seallaihh  rium-sa,  agus  hithihh  air  hhv/r 
tearnadh,  uile  iomalla  na  talmhainn. 

Le  oreidimh  seallaidh  mi 

Riut  fein,  Uan  Chalbhari, 

Mo  Shlanuighear  caomh ; 

Nis  eisd   ri  m'   urnuigh  bhochd, 

Glan  uam  mo  chiont  's  mo  lochd ; 

0  bitheam  be6  dhuit  fein 

'Na  dh6idh  so  chaoidh. 

0  biodh  do  ghras  gach  am 

Toirt  tre6ir   do  m'   chridhe  f  ann ; 

Dean  m'  eud  na's  mo; 

Bho  'n  bhasaich  thu  'g  am  dhion, 

0  biodh  mo  ghradh  dhuit  fior, 

Glan,  beo,  is  buan  gu  sior, 

'Na  theine  beo. 

Troimh  fhasach  dorch'  an  t-saogh'l 
Is  teinn  tigh'nn  orm  gach  taobh 
Dean  fein  dhomh  iiil ; 
Tionndaidh  mo  dhorch'  gu  la, 
Siab  uam  deur  br6in  is  craidh, 
Mo  cheuman  stiiiir  a  ghnath, 
Gu  tamh  dhuit  dluth. 

An  uair  thig  crioch  mo  laith, 

'S  sruth  duaichnidh  fuar  a'  bhais 

Ag  iadhadh  dluth, 

A  Shlanuigheir  chaoimh,  na  treig, 

Cuir  geilt  's  an-earbs  bhuam  fein  ; 

O  giiilain  mi  gun  bheud 

A  sheinn  do  chliu. 

Bha  an  laoidh  so  air  a  sgriobhadh  le 
miniatear  de  mhuinntir  America,  an  t-OUamh 
RAY  PALMER.  >  Cha  robh  e  ach  da 
bhliadhna  air  fhichead  'nuair  a  sgriobh  e  i, 
agus  tha  e  fein  ag  innseadh  gu  'n  do  sgriobh 
e  i  le  de6ir  'na  shuilean.  Tha  an  laoidh 
air  a  h-eadar-theangachadh  gu  iomadh 
canain.  Is  e  A.  Mac  Eachuinn  a  thionn- 
daidh  i  gu  Gaidhlig.  Chuireadh  i  an 
Laidionn,  am  Fraingis,  an  Gearmailt  agus 
an  cainnt  mhoran  chinneach  anns  na 
h-Innsean  an  Ear  is  China.  Rinn  Palmer 
laoidhean  eile  ach  cha  d'  fhuair  gin  dhiubh 
an  t-aite  a  fhuair  i  so  ann  an  cridhe  na 
h-eaglais  Chriosduidh. 


Air.    6. 


1924. 


ANNS  A'  CHATHAIR. 


An  uair  a  phos  Calum  Caimbeul  Cairistiona 
Ruadh,  ogha  an  drobhair  a  bha  anns  a' 
Chaolas,  cliuir  Seonaid  Eachainn  air  am 
manadh  gur  h-ann  air  Cairistiona  a  bhiodh 
a'  bhriogais.  Bha  Calum  'n  a  dhuine  car 
diiiid  co-dhiu,  air  chor  agus  nach  biodh  e 
duilich  do  bhean  sprachdail  air  bith  a  chur 
fo  rnhaide-na-poite,  ach  ged  nach  biodh  e  idir 
diuid  bhiodh  e  duilich  dha  a  chasan  a  sgaoil- 
eadh  air  a  thaobh  fein  de  'n  teine  gun  cliead 
Cairistiona,  oir  bha  ise  'n  a  boirionnac-h 
laidir  fearail  air  nach  d'  fheuch  fear  eile  taod 
a  chur  gus  an  do  chuir  am  mi-fhortan  agus 
att-sannt  Calum  Caimbeul  'n  a  rathad.  Cha 
b'  ann  air  a  gaol  fhein  idir  a  rinn  e  suas 
rithe  ach  air  ghaol  a  codach,  ach  cleas  iom- 
adh  fear  eile  a  phos  luid  air  son  a  ouid  cha 
robh  Calum  fada  an  oeangal  rithe  an  uair 
a  bheireadh  e  an  saoghal  uile  ach  e  bhi  mar 
bha  6.  Latha  a  chaidh  e  dhachaidh  is  deur 
beag  drama  air,  an  deidh  dha  na  gamhna  a 
reic.  thug  i  straic  dha  air  an  leth-cheann, 
is  rinn  i  coileach-dubh  dheth  air  an  urlar, 
is  chuir  i  a  laighe  e  gun  a  shuipeir,  mar 
gu'm  biodh  balach  beag. 

B'e  an  coimhearsnach  a  bu  dliiithe  aig 
Calum  Seumas  Ban,  a  bha  'n  a  fhoirbheach 
anns  an  eaglais.  Ced  nach  robh  Seumas  mor 
'n  a  phearsa  bha  e  'n  a  dhuine  deas  is  spail- 
pearra,  gu  maith  beachdail  air  fhein  is  neo- 
ar-thaing  facal  aige.  Ach  air  a  shon  sin, 
bha  a  thrioblaid  fein  aig  Seumas,  a'  cheart 
trioblaid  a  bha  aig  Calum  Caimbeul,  ach  a 
mhain  gu'm  b'e  ainm  a  thrioblaid-san  Celt. 
Bha  fhios  aig  an  duthaich  uile,  eaclar  an 
Caolas  agus  Ceannamhara,  gu  robh  an  t- 
eildear  ban  fo  mhaide-na-poite  cho  mhaith  ri 
Calum  Caimbeul,  ach  ma  bha,  cha  bhiodh 
daoine  'g  a  gbabhail  so  orra  ris  an  fhoirbh- 
each fein,  oir  c6  a  b'  fhearr  facal  na  esan 
an  uair  a  chruinnicheadh  seanairean  a' 
bhaile  aig  a'  chachaleith,  no  c6  a  bu  cholt- 
aiche  a  bhi  'n  a  righ  'n  a  thigh  fein? 

An  am  earraich  is  foghair  bhiodh  Calum 
Caimbeul  is  Seumas  a'  cuideachadh  a  cheile, 
agus  gle  bhitheanta  bhiodh  seanchas  aca  ania 
an  sabhal  Sheumais,  agus  latha  de  na  laith- 
ean  sin  so  an  seanchas  a  bha  eatorra,  facal 
air  an  fhacal. — 

Calum  :  "  Bha  cho  mhaith  dhomh  dol  a  dh' 
America  agus  an  tigh  fhagail  aice  fhein  :  o 
mhoch  gu  dubh  tha  a  teanga  an  sas  annam, 
ach  an  raoir  chaidh  an  donas  uile  gu  leir 
innt€." 

iSeu?JU(s :  "Biodh  faighidinn  agad-sa,  a 
Chahiim, — -agus    ciiimhnich    air    na    daoine 

iiliiUttiiiiiiiiiiiiidlUd 


mhnathan;  Lot  is  lob,  is  Solamh,  is  Pol."' 

Calum  :  "Is  coma  dhomhsa  ciod  a  dh'  eirich- 
do  dhaoine  eile ;  is  coma  dhomhsa  ach  am 
bior  a  tha  'n  am  fheoil  fh6in.  Thoill  Solamhi 
na  fhuair  e,  ach  cha  chuala  mi  riamh  gu  robh 
Pol  fo  ordag  boirionnaich ;  bha  diiil  agam 
nach  robh  esan  posda  idir." 

Seumas  :  "Ubh,  ubh,  bha  ;  nach  'eil  e  fhein. 
ag  innseadh  mu'n  sgolb  a  bha  'na  fheoil!" 

Calum  :  "Mata  leugh  mise  anns  an  duilleig 
Ghaidhlig  ann  an  leabhar  dearg  na  h-eaglais 
gur  e  galair-shiil  air  ohor-eigin  an  sgolb  a 
bha  aig  Pol  's  an  fheoil." 

Seumas :  "  Theagamh  gu'n  do  leiigh,  a 
Chaluim,  ach  ged  nach  ann  a'  cur  sios  air  an 
fhear  a  bhios  a'  sgriobhadh  na  duilleig  sin  a 
tha  mise,  bidh  e  a'  dol  cearr  air  uairean,. 
agus  chaidh  e  fada  fada  cearr  mu  thrioblaid 
Phoil.  Ach  ciamar  nach  rachadh  agus  gun 
bhean  aige  fhein?  Creid  thusa  mise,  a 
Chaluim,  nach  h-urrainn  duine  air  bith  a' 
ohaibideil  ud  a  thuigsinn  no  mhineachadh 
ach  duine  aig  an  robh  crois  'n  a  thigh  mar 
bha  aig  Pol ;  sffolb  's  an  fheoil,  ieachdair 
Shdtain, — tha  an  rud  cho  soilleir  dhomhsa 
ris   a'   ghrein  !" 

Calum,:  "  Ud,  ud,  a  Sheumais,  tha  thusa 
na's  seirbhe  air  na  mnathan  na  mi  fhein, 
ged  a  tha  mi  air  mo  sharachadh  le  droch 
nadur  is  teanga  Cairistiona ;  na'n  cluinn- 
eadh  daoine  sibh  is  ann  a  shaoileadh  iad  gu 
bheil  sibh  fo  smaig  aig  Celt." 

Seumas  :  "Fo  smaig  aig  Ceit !  Cha  do  chuir 
boirionnach  cota  riamh  oirre  a  chuireadh 
mise  fo  h-6rdaig.  Mur  biodh  tusa  maol  is 
bog  cha  leigeadh  tu  le  Cairistiona  lamh-an- 
uachdar  fhaotainn  ort  mar  a  fhuair  i ;  na'm 
b'  ann  agam-sa  a  bha  i  chuirinn  car  na  h- 
amhaich." 

Calum:  "  Tha  e  furasda  gu  leoir  dhuit-sa 
sin  a  radh,  a  Sheumais,  ach  cha  'n  aithne 
dhuit  Cairistiona  mar  is  aithne  dhomlisa  i. 
An  la  ud  a  reic  mi  na  gamhna,  dh'  fhairich 
mi  sprachd  a'  tighinn  annam  fhein  leis  an 
dara  gloine,  agus  thuirt  mi  rium  fein  air 
an  rathad  dhachaidh  gu'n  leiginn  fhaicinn 
dhi  CO  againn  oeann  an  teaghlaich  agus 
gu'm  feumadh  i  a  bhi  umhail  dhomh,  ach 
cho  luath  's  a  sheas  mi  air  an  urlar  's  a 
chunnaic  mi  suilean  Cairistiona  a'  dol 
tromham  mar  gu'm  biodh  gimleid  anns  gach 
te  dhiubh,  agus  a  chunnaic  mi  a  h-aodann  a' 
fas  dearg  mar  gu'm  biodh  cirean  coilich- 
frangaieh.  chaill  m'  iosgaidean  an  luth, — is 
chaidh  mi   a  laighe." 

Seumas  :  "  Cha  'n  'eil  annad,  a  Chaluim, 
ach  an  gealtair ;  ach  theagamh  nach  'eil  e  cho 
furasda  do  d'  leithid-sa  nach  robh  riamh  'n 
if^  iiiViaiolT«+ir  arm  ad  thio-h  fhein  do  bhean  a 


22 


chumail  'n  a  h-aite  '&  a  tha  e  dhomhsa,  oir 
cha  do  ghabh  Celt  oirre  riamh  facal  a  thoirt 
air  ais  dhomh." 

Ccdum  :  "  Obh  !,  obh  !,  nach  tu  fhein  a  tha 
fortanach,  a  Sheumais,  nach  ann  agad  a  tha 
an  t-aobhar  a  bhi  taingeil  do'n  fhreagdal 
bean  mar  a  tha  Celt  a  bhi  agad." 

Seumas  :  "Bha  am  Freasdal  fabharach  rium 
gun  teagamhj  aoh  bha  mi  fhein  glic  cuid- 
eachd  anns  an  doigh  cheart  a  ghabhail  oirre 
aig  toiseach  gnothuich.  Na'n  do  rinn  thusa, 
a  Chaluim,  mar  a  rinn  mise  bhiodh  e  a  cheart 
cho  furasda  dhuit  Cairistiona  a  striochdadh 
's  a  bha  e  dhomhsa  Ceit  a  thoirt  fo  gheill." 

Calum  :"Ciod  an  doigh  a  ghabh  thu  oirre?" 

Seumas:  "  Innsidh  mi  sin  duit ;  chum  mi 
an  taod  gu-  maith  teann  oirre  gus  an  do  thuig 
i  gu  robh  a  maighstir  an  taice  rithe,  agus 
nach  robh  feum  ann  dhi  feuchainn  ri  a 
ceann  fhaotainn  leatha.  Tha  bean  6g,  a 
Chaluim,  coltach  ri  loth  a  bhitear  a'  cur  ann 
an  acfhuinn ;  tuigidh  an  loth  gu  maith  co 
dhiu  a  tha  no  nach  'eil  eagal  air  an  fhear 
a  tha  'n  a  ceann;  ma  tha  eagal  air  roimhpe 
cha  bhi  ise  fada  gus  an  gabh  i  brath  air  agus 
an  dean  i  a  toil  fhein.  Sin  mar  tha  na 
boirionnaich ;  tha  fhios  aca  gu  maith  c6  a  dh' 
fhaodas  iad  cothrom  a  ghabhail  orra,  agus 
CO  nach  fhaod,  agus  chaidh  thusa  cearr  an 
uair  a  leig  thu  fhaicinn  do  Chairistiona  gu'n 
robh  eagal  ort  roimhpe." 

*  *  *  * 

Cha  robh  am  facal  buileach  a  mach   as  a 
bheul  an  uair  a  dh'  fhosgail  dorus  an  t-sabh- 
ail    agus    faicear    Ceit    'n    a    seasamh    m'a 
choinneamh,  agus  am  batal  'n  a  suil  is  'n  a 
h-aodann.     Leum  an  da  bhodach  a  bha  'n  an 
sineadh  air  a'  ohonnlaich  'n  an  seasamh  mar 
gu'm  biodh  daoine  air  an  do  rugadh  ann  an 
cron,    ach  is  e  Ceit  a  bhruidhinn. — "  Nach 
'eil   an   t-am    agad-sa,    a   Sheumais,    lamh   a 
thoirt  air  car  air  chor-eigin  anns  an  latha 
earraich  seach  a  bhi  a'  suidhe  ann  an  sin  a' 
rabhart  ri  Calum  Caimbeul,  gaotharan  nam 
bailtean.     Nach  bochd  an  rud  e  nacih  'eil  de 
thur  ann  ad  cheann  glas  fhein  na  dh'  innseas 
dhuit  gu  bheil  sid   is  so  a'   dol   a   dholaidh 
agus  thusa  air  do  dhruim  anns  a'  chonnlaich. 
A  mach  as  a  so  thusa,  a  Chaluim  Chaimbeul ; 
tha  an  t-am  agad  t'  aghaidh  a  thoirt  air  an 
tigh;  mo  thruaighe  an  te  a  tha  an  ceangal 
riut;  agus  greas  ort,  a  Sheumais,  ...... 

A  bheil  thu  a'  tighinn?" 

Seumas  (gu  diblidh  umhail)  :  "Tha  mi  a' 
tighinn,  a  Cheit. " 


RICHARD  BAXTER. 

An  raoir  thug  mi  greis  a'  leughadh  leabh- 
air  a  tha  gle  bhitheanta  'n  am  lamhan,  an 
leabhar  a  bha  air  a  chur  a  mach  le  m'  fhear- 
duthcha  Domhnull  Mac  Illeathain  nach 
inflireann.    ministear   Dhiiirinnis.    fo'n   ainm 


T^pographm  Scoto-Gadelica.  Anns  an 
leabhar  so  tha  cunntas  air  a  thoirt  air  gach 
leabhar  a  chaidh  a  chur  ann  an  clo  an  Gaidh- 
lig  riamh ;  obair  mhor  is  obair  a  ghabh  iiine, 
obair  nach  b'  urrainn  duine  eile  ann  an 
Albainn,  a  mach  o'n  Ollamh  Mac  Fhiongh- 
ainn  nach  maireann,  a  dheanamh  cho  mhaith 
's  a  rinn  ministear  Dhunbheagain  i,  oir 
ged  nach  b'  fhior  sgoilear  Gaidhlig  e  agus 
ged  nach  robh  e  na  b'  eolaiche  air  taobh-a- 
stigh  nan  leabhraichean  na  iomadh  duine 
eile  as  aithne  dhomh,  bha  eolas  aige  air  an 
taobh-a-muigh  aca  nach  robh  aig  aon  duine 
eile  ann  an  Albainn.  A  thuilleadh  air  gu'n 
robh  cruinneachadh  de  leabhraichean  Gaidh- 
lig aige  fein  a  bha  fiachail,  rannsaich  e  a  h- 
uile  leabhar-lann  ann  am  Breatunn  anne  an 
gabhadh  forfhais  fhaotainn  mu  leabhraich- 
ean Gaidhealach,  agus  gach  ciiil  is  cuilidh 
anns  an  Roinn-Eorpa  anns  an  robh  amharus 
aige  gu'm  faodadh  leabhar  Gaidhlig  a  bhi 
air  fholach.  B'  aithne  dha  leabhraichean 
air  an  coltas  agus  air  an  cumadh  mar  is 
aithne  do  chiobair  na  caoraich,  gun  seall- 
tainn   idir   air  an   comharradh-cluaise. 

Ach  ged  a  tha  e  'n  a  thoileachadh  dhomh 
clach  bheag  a  thilgeadh,  anns  an  dol  seachad, 
ann  an  earn  duine  a  rinn  seirbhis  do  lit- 
reachas  ar  duthcha,  cha  'n  ann  mvi  mhinistir 
Dhunbheagain  a  bha  mi  a'  ciallachadh 
seanchas  a  dheanamh  an  trath-sa,  ach  mu 
Richard  Baxter,  diadhair  urramach  a  tha 
air  ainmeachadh  anns  an  leabhar  so.  Ged 
a  chluinnear  gu  maith  trie  nach  'eil  cainnt 
air  an  t-saoghal  as  buadhmhoire  ann  an 
searmonachadh  agus  ann  an  urnuigh  na 
Ghaidhlig,  agus  ged  a  chluinnear  cuideachd 
gu  robh  riamh  minist«aran  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  a  bha  comasach  mar  shearmonaich- 
ean,  tha  e  gle  iongantach  nach  'eil  a  bheag 
idir  againn  de  shearmoin  Ghaidhlig  bho 
mhinist/earan  Gaidhealach.  Na  searmoin  a 
bhios  muinntir  na  Gaidhealtachd  a'  leugh- 
adh, bha  iad  air  an  sgriobhadh  le  Sasunnaich 
ann  am  Beurla,  agus  an  sin  air  an  tionndadh 
gu  Gaidhlig.  Rud  gle  neonach  ach  smior 
na  firinn.  Cha'n  abair  mi  ciod  a  tha  mi 
fein  an  diiil  as  aobhar  da  so;  thoireadh  a 
h-uile  duine  an  rud  a  thoilicheas  e  fhein  ag. 

Tha  triuir  de  sheann  diadhairean  ann  air 
an  robh  meas  mor  aig  na  Gaidheil :  Richard 
Baxter,  Tomas  Bo^ston,  agus  Tain  Bunian. 
agus  theagamh  gu  robh  buaidh  aig  na  daoine 
sin  air  inntinnean  is.  cridheachan  ar  luchd- 
duthcha  nach  robh  aig  ar  ministearan  fh6in. 
Sgriobh  Baxter  da  leabhar  a  bha  air  an 
sgaoileadh  gu  farsuinn  air  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd, Gairm  an  De  mhni?'  do'71  t-sluagh 
neo-io7npaichte ,  agus  Fois  shiorruidk  nan 
naomh  Bha  a'  oheud  fhear  dhiiibh  sin  air 
a  chur  a  mach  ann  an  Gaidhlig  ann  an  1760, 
ann  an  Glaschu  :  a'  cheud  leabhar  le  diadh- 
air Sasunnach  a  bha  air  a  chur  a  mach  an 


23 


Gaidhlig.  B'e  so  a  bha  sgriobhta  air  an 
duilleig-thoisich, 

"  Gairm  an  De  Mhoir  do'n  t-sluagh 
neimh-iompoichte,  iompochadh  agus  bith 
bed.  Le  Richard  Baxter.  Eidir-theang- 
aicht'  0  Ghaill-Bhearla  chum  Gaoidheilg 
Albannaich  air  iartas  agus  castas  Eirionaich 
dheagh-runaich  oirdheirc  chum  leass  coitch- 
eann     Gaoidhealtachd     Alba  Clo-bhuaiW 

<i.n?i  Glassacha  le  Aind  Foulis  Cloifheara  an 
Oill-tigh.     MDGGL." 

Bha  e  air  a  chur  a  mach  a  rls  ann  an  1755, 
18] 1,  1822,  1845,  1861,  1865,  1866,  1877, 
1846,  1861,  1865,  1877;  a'  dearbhadh  gu 
soilleir  gu  robh  daoine  a'  ceannach  an  leabh- 
a,ir  agus  'g  a  leughadh. 

B'e  so  a  bha  sgriobhta  air  an  duilleig- 
thoisich  aig  an  leabhar  eile, 

' '  Fois  shiorruidh  nan  Naomh  :  no,  Solus 
air  Staid  Bheannaichte  nan  Naomh  a'  meal- 
tuinn  Dhe  air  Neamh.  Le  Mr.  Richard 
Baxter.  Eadar-theangaichte  le  Iain  Foir- 
heis,   Ministeir  Shleit   '  1862." 

Bha  6  air  a  chur  a  mach  a  ris  ann  an  1865, 
1868,  1871,  1874,  1878,  1862,  1865,  1868, 
1871.  Bha  fichead  is  ceud  duine  anns  a' 
^haidhealtachd  a'  leughadh  leabhraichean 
jrJhaxter  mu  choinneamh  aon  duine  a  bha  a' 
leughadh  nan  searmon  a  ohuir  Eoghan  Mac 
Dhiarmaid  a  mach  ann  an  1804. 

do  e,  mata,  Richard  Baxter,  gu'm  biodh 
uiread  so  de  mheas  aig  daoine  diadhaidh 
annsi  a'  Ghaidhealtaohd  air?  Tha  sin  fur- 
asda  gu  le6ir  r'a  innseadh  ;  ministear  Sas- 
unnach  a  bha  'obair  air  a  beannachadh  gu 
mor  le  Dia.  Ann  an  laithean  'oige  thainig 
e  fo  churam  anama,  agus  thagh  e  a'  mhinis- 
trealachd  mar  a  dhreuchd.  Bha  e  air  a 
shuidheachadh  ann  an  aite  no  dha,  ach  is  ann 
ri  baile  Kidderminster  a  bhios  'ainm  air  a 
-cheangal  gu  brath,  oir  lean  comharraidhean 
foUaiseach  is  miorbhuileach  obair  Bhaxter 
anns  a'  bhaile  sin.  Bha  Kidderminster,  a 
reir  choslais,  ain-diadhaidh  thar  bhailtean 
«ile  aig  an  am,  oir  cha  robh  duine  beo  ann 
aig  an  robh  cuimhne  air  ministear  soisgeul- 
aeh ;  cha  b'  aithne  dhaibh  ach  minisitearan 
aig  nach  robh  sgoil  no  sgil ;  ministearan 
nach  robh  dad  na  b'  fhearr  na  figheadairean 
a'  bhaile  ann  an  gliocas  is  ann  an  gras  is  ann 
an  e^las  air  diadhaidheachd.  An  uair  a 
tha  an  sluagh  dall  ni  an  gille  cam  ministear. 
Ach  le  t-eachd  Bhaxter  'n  am  measg  sheid 
oiteag  de  anail  bheo  orra,  air  chor  agus  nach 
b'  fhada  gus  an  robh  an  eaglais  Ian,  ged  a 
bha  i  fas  an  uair  a  bha  e  air  a  shuidheach- 
adh innte.  An  uair  a  chaidh  e  do  Khidder- 
minster  bha  sraidean  anns  a'  bhaile  anns 
nach  robh  ach  aon  teaghlaoh  a  bha  ag  aoradh 
do  Dhia,  ach  m'  an  d'  fhag  e  e  bha  sraidean 
ann  anns  nach  robh  aon  teaghlach  nach  robh 
ag  aoradh  do  Dhia. 

Cha  robh  ann  am  Baxter  gu  corporra  ach 


duine  anfhann ;  bha  a  shlainte  cho  dona  's 
nach  b'  urrainn  duine  coii-e  fhaotainn  dha 
ged  nach  deanadh  e  dad  ach  an  aire  a  thoirt 
d'a  bhodhig  bhreoite.  Dh'  fhaodadh  e  a 
radh  mar  a  thubhairt  Marc  mu'n  bhoirionn- 
ach  a  leighis  losa  "gu'n  d'  f hulling  e  moran 
bho  mhoran  lighichean,"  oir  tha  e  fein  ag 
innseadh  gu'n  d'  iarr  e  comhairle,  aig  aon 
am  no  am  eile,  air  se  deug  ar  fhichead  dot- 
air,  ach  nach  do  rinn  an  cungaidhean  feum 
air  bith  dha.  Ach  ged  a  bha  an  fheoil  anfh- 
ann bha  an  spiorad  todleach,  is  choisrig  an 
duine  so  gach  mionaid  d'a  bheatha  a  bha 
saor  is  plan  do  sheirbhis  Chriosd. 

Bha  e  'n  a  shearmonaiche  maith ;  theag- 
amh  nach  bu  ohall  ach  gu'm  bu  bhuannachd 
d'a  ohoimhthional  gu  robh  a  chasan  daonnan 
air  bruaich  na  h-uagha,  oir  anns  a  h-uile 
searmon  bha  e  a'  labhairt  riu  mar  naoh 
biodh  cothrom  eile  aige  iarraidh  orra  a  bhi 
reidh  ri  Dia.  Bha  a  shearmoin  furasda  an 
tuigsiinn;  coltach  ri  Pol  cha  b'  ann  le  oirdh- 
eirceas  oainnte  a  bhiodh  e  a'  bruidhinn  ri 
daoine  ach  gu  simplidh  reidh,  ann  an  doigh 
a  thuigeadh  6g  is  sean. 

An  uair  a  bha  Baxter  'n  a  leth-sheann 
duine  sgriobh  e  ounntas  air  a  bheatha  agus 
'obair  fein,  leabhar  beag  cubhraidh  ,nach 
fhaicear  ach  gle  annamh  ann  an  tigh  air  bith 
an  diugh,  ach  air  a  shon  sin,  tha,  an  da 
chuid,   gliocas  is  diadhaidheachd  ann. 

G«d  a  tha  agus  a  bha  na  Gaidheil  air  an 
cunntas  'n  an  daoine  crabhaoh  a  tha  fo 
bhuaidh  an  t-saoghail  neo-fhaicsinnich  cha 
d'  araich  sinn  riamh  diadhairean  dhuinn 
fhein.  Fhuair  sinn  ar  beachdan  ann  an 
iasad  bho  dhaoine  eile,  gu  sonraichte  bho  na 
diadhairean  ris  an  abrar  na  Puritans 
Shasunnach,  agus  theagamh  gui'n  cuir  sin 
solus  air  iomadh  rud  neonach  ann  an  each- 
draidh  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd. 
Cha  'n  aithne  dhomh  ach  aon  mhinistear 
Gaidhealaoh  a  dh'  fheuch  ri  solus  a  thoirt  do 
dhaoine  air  diomhaireachd  na  diadhaidh- 
eachd, Domhnull  Caimbeul  a  bha  ann  an 
Cillemhicheil.  Sgriobh  esan  leabhar  mu 
bhas  agus  mu  fhulangas  Chriosd,  ach  bha  e 
air  a  sgrlobhadh  ann  am  Beurla  Cha  'n 
urrainn  mi  a  radh  co  dhiu  nach  b'  urrainn 
e,  no  nach  b'  fhiach  leis,  a  chur  ann  an 
Gaidhlig.  An  deidh  laimhe  thionndaidh 
duine  eile  an  leabhar  gu  Gaidhlig. 


SABAID  COMANACHAIDH. 

Moch  air  maduinn  na  Sabaid  dhiiisg  mi, 
agus  rinn  mi  deas  a  dhol  do'n  eaglais,  oir 
bha  Sacramaid  Suipeir  an  Tighearna  ri  bhi 
air  a  frithealadh,  agus  bha  iarrtus  durach- 
dach  agam  air  suidhe  aig  a'  bh6rd.  "  Mar 
a  thogras  am  fiadh  a  chum  nan  sruth  uigge 
mar  sin  tha  m'  anam  a'  togairt  a'd'  ionn- 
suidh-sa  a  Dhe;  tha  tart  air  m'  anam  a  chum 


24 


an  De  bheo. "  Dhuisg  mi  as  mo  chadal  Ian 
graidh  do  Dhia  agus  mo  ruintean  air  an 
sooruchadh  air  na  nithean  ata  shiias.  Bha 
m'  anam  ooltach  ri  raon  a  l)heannaieli  an 
Tighearna.  "  Fhreagair  mo  ghradh  agus 
thubhairt  e  rium,  eirich  a  bhean  mo  ghaoil, 
m'  aon  sgiamhach,  thig  learn  :  oir  feuch  tha 
an  geamhradh  seachad,  tha  an  t-uisge 
thairis." 

Anns  an  eaglais  dh'  fhoillsich  Criosd  e 
fein  do  m'  anam  ann  an  doigh  iongantach. 
0  !  am  bord  soghmhor  a  bha  air  a  dheasach- 
adh  dhomhsa  anns  an  fhasach.  Feuch  cuirm 
ghraidh,  gradh  gun  choimeas ;  Criosd  'ga 
thoirt  fein  seachad  le  uile  shochairean  a 
bheatha  agus  a  bhais.  Rinn  na  dh'  fhios- 
raich  agus  na  dh'  fhairich  mi  a  leithid  de 
dhriiidheadh  air  m'  anam  's  gu'n  robh  mi 
ionnan  's  a  bhi  ann  an  neamh. 

B'e  an  ceann-teagaisg,  ''  Dh'  61  iad  de'n 
oharraig  spioradail  a  lean  iad,  agus  b'i  a' 
charraig  sin  Criosd,"  agus  o'n  cheann-teag- 
aisg  sin  bha  an  Tighearna  losa  Criosd  gu  h- 
urramach  air  a  noohdadh,  'n  a  lanachd  agus 
'n  a  eifeachd.  Dh'  61  m'  anam  gu  saibhir 
de'n  uisge  a  thainig  a  mach  as  a'  charraig. 
Shruth  sruthanan  slainte  agus  s61ais  ann  am 
pailteas  bho  Chriosd,  agus  fhuair  mi  fasgadh 
do  m'  anam  ann  an  sgaile  na  carraige  so. 
Shuidhich  mi  mo  chreideamh  agus  mo 
dh6chas  gu  siorruidh  air  Criosd,  a'  deanamh 
dimeas  air  gaoh  bunait  eile,  agus  bha  mi 
cinnteach  nach  toir  ifreann  fhein  buaidh  a'm' 
aghaidh. 

Do  bhrlgh  gur  carraig  Dia  nach  caraich 
gu  brath  tha  a  shligheannan  foirfe  agus 
bidh  obair  a  ghrais  ann  am  anam  air  a  dean- 
amh coimhlionta  'n  a  am  fein  cho  cinnteach 
ri  obair  a'  chruthachaidh. 

Bha  mi  'g  am  shamhlachadh  fein  ris  a' 
chich-mhara  a  tha  beo  an  ceangal  ris  a' 
chreig  agus  a  chrupas  i  fein  ris  a'  chreig  a 
chum  a  dion  an  uair  a  bhean  as  an  ni  as 
faoine  rithe,  agus  nach  h-urrainnear  a 
bhuain  gun  a  dochann.  Tha  mise  gu  deimh- 
in  mar  sin,  oir  is  ann  ann  an  Criosd  a  tha 
freumhan  mo  bheatha,  agus  as  eugmhais-san 
cha  'n  urrainn  mi  ni  air  bith  a  dheanamh, 
ach  cha  mh6  is  urrainn  uile  ainneart  peac- 
aidh  agus  ifrinn  mo  spionadh  o  charraig  nan 
al,  oir  tre  eifeachd  m'  aonaidh  ris  a'  charr- 
aig tha  mi  a'  seasamh  daingean. 

Thainig  mi  mach  as  an  eaglais  air  m' 
urachadh  le  aran  Dhe,  a  thainig  a  nuas  o 
neamh  ;  a'  moladh  ainm  Chriosd  air  son  a 
mhaitheisi.  Thug  esan  buaidh  agus  thionail 
mise  a'  chreach ;  chuir  esan  le  de6ir,  le  plan, 
is  f alius,  agus  bhuain  mise  le  aoibhneas  agus 
le  subhachas.  Chaidh  buntainn  ris-san  gu 
maslach  agus  chaidh  gabhail  rium-sa  gu  h- 
urramach.  Tha  am  facal  fior  gu  deimhin," 
"  Tha  aon  neach  a'  cur  agus  neach  eile  a' 
buaim 


Theich  mi  a  nis  do  ionad  uaigneach  a  chum 
taingealachd  agus  cliu  a  thoirt  do  Dhia  a 
chionn  gu"n  do  thaisbean  e  dhomh  uiread  de 
chaomh-chairdeas  iongantach,  agusi  fhuair 
mi  mo  chridlie  a'  taomadh  a  mach  ann  an 
iunhlachd  do 'a  Tighearna.  0  !  gradh  agus 
gliocas  Dhe  a  bha  a  nis  air  a  thaisbeanadh 
dhomh  !  Ghabh  mi  beachd  air  Dia  agus  air 
a  ghliocas,  'g  a  shamhlachadh  a'm'  inntinn 
fein  mar  thuathanach  m6r  a  dh'  aiticheas  am 
fonn  agus  a  chuireas  siol  an  Fhacail  anns  a*^ 
chridhe,  agus  mar  an  ceudna  a  riaghlas  an 
aimsir  a  bheir  an  siol  a  chum  abachaidh, 
agus  bha  mi  air  mo  thoirt  gu  chreidsinn  gu'n. 
cuir  e  a  leithid  de  aimsir  's  a  chi  a  ghliocas 
neo-chriochnach  iomchuidh  a  chum  foghar 
tarbhach  a  ghiidan  de  thoradh  fireanachaidh 
ann  am  anam. 

Shamhlaich  mi  gras  an  Spioraid  ri  iomad 
sieorsa  sil,  agus  chunnaic  mi  an  ni  a  bheir- 
eadh  tur  sgrios  air  aon  seorsa  sil  gu'n  tug- 
adh  e  fa«  is  cinneas  air  se6rsa  eile.  Shamh- 
laich mi  creideamh  ris  a'  ghrainne  chruith- 
neachd  a  sheasas  ri  reothadh  is  sneachd  a' 
gheamhraidh,  agus  a  tha  air  a  dheanamh 
na's  fhearr  leis  an  doinionn,  ged  a  gheibh- 
eadh  siol  eile  am  ba«  leis  an  aimsir  cheudna. 
Uime  sin  tha  mi  toileach  a  bhi  striochdta  le- 
aimsir  air  bith  a  chuireas  an  Tighearna 
thugam  anns  an  t-saoghal  so. 

0  Dhe,  tha  mi  ag  aideachadh  le  naire  gu'n 
robh  mi  'g  a  do  she61adh-sia  mar  bu  ch6ir 
duit  obair  a  dheanamh  air  m'  anam,  ach  a 
nis  tha  mi  'g  am  chur  fein  a'd'  lamhan-sa 
gu  buileach,  ag  iarraidh  ort  oibreachadh 
orm  mar  is  aill  leat.  Tha  mi  a'  faicinn  a 
leithid  de  dhoille  ann  am  reusan,  a  leithid 
de  dhorchadas  ann  am  thuigse,  a  leithid  de 
aingealtas  ann  am  thoil,  's  nach  'eil  earbsa 
air  bith  agam  annani  fein.  Dean  thusa  mo 
cheuman  a  stiuradh,  agus  mo  ohrannchur  a 
riaghladh.  Tha  mi  a'  creidsinn  nach  biodh 
e  maith  dhomh  fios  a  bhi  agam  air  na  nith- 
ean a  chum  thu  ann  an  cleith  orm. 

Air  an  t-Sabaid  so  mheal  mi  m6ran  de 
lathaireachd  an  Tighearna  agus  bha  mo 
shuilean  air  am  fosgladh  aig  a'  chuirm 
sholuimte.  Dh'  fhaodainn  da-i-ireadh  Betel, 
— tigh  Dhe — a  ghairm  de  'n  ionad  ud.  Air 
leam  gu'm  bu  mhaith  learn  c6mhnuidh  ann 
uile  laithean  mo  bheatha  a  chum  a  bhi  ag 
amharc  air  maise  an  Tighearna  agus  gaird- 
eachas  a  dheanamh  'n  a  theampuU  naomh. 
Beannaichte  gu'n  robh  ainm  an  Tighearna 
air  son  a  mhaitheis.  Ach  cha  'n  fhaodainn 
fuireach  anns  an  ionad  ud  daonnan.  Tha 
obair  an  t-saoghail  is  dleasdanasan  an  t- 
saoghail  'g  am  ghairm  aoh  is  e  m'  iirnuigh 
ri  Dia  nach  caill  mi  gu  brath  an  dearbh- 
achd  spioradail  a  fhuair  mi  annam  fhein  aig 
b6rd  a'  chomanachaidh  agus  nach  caill  mi 
am  bias  mills  a  fhuair  mi  air  mo  Shlanuigh- 
ear.  D.  B. 


Air.     7. 


192-4. 


CO  RIS  A   CHOIMEASAR  DIA? 


Gha  duine   Dia.     Aireamh,   xxiii,    19. 

Bha  tuathanach  araidh  ann  aig  an  robh 
aon  mhac.  Bha  an  tuathanach  'n  a  dhuine 
cniaidh  saoghalta,  gun  mheas  aige  air  ealain 
no  grinneas  no  sgoil.  Cha  robh  ni  air  an  t- 
saoghal  a'  ruith  'n  a  inntinn  ach  daimh  is 
gamhna  is  buannachd,  agus  o'n  cheud  latha 
a  chaidh  a  mhac  do'n  sgoil  bha  fadachd  air 
gus  am  faodadh  e  a  fagail,  agus  toiseachadh 
air   obair. 

Bha  am  balach  anabarrach  maith  air  tarr- 
uing  dhealbh.  Bha  e  na  b'  fhearr  air  na 
dealbhan  na  bha  e  air  cunntas  no  leughadh ; 
cha  robh  solas  air  thalamh  a  b'  fhearr  leis 
na  bhi  tarruing  dhealbhan  air  a  sgliat,  ged 
a  choisinn  sin  dha  air  uairean  an  t-slat  o'n 
mhaighstir-sgoil. 

Uair  a  thainig  dealbhadair  ainmeil  gu 
tigh  an  tuathanaich  leig  a  mhathair  fhaicinn 
da  cuid  de  na  dealbhan  a  tharruing  an  gille 
beag,  agus  iad  air  an  cumail  aice  gu  curani- 
ach  ann  an  draghar  far  nach  fhaiceadh  'ath- 
air  iad.  Chuir  gieusdachd  a'  bhalaich  agus 
grinneas  a  laimhe  ionghnadh  nior  air  an 
duine,  is  dh'  iarr  e  air  bean  an  tuathanaich 
cothrom  a  thoirt  do'n  ghille.  "  Mur  bheil 
mi  meallta  'n  am  bharail,"  ars'  esan,  "  ni 
am  balach  ainm  dha  fein  anns  an  t-saoghal 
fhathast." 

Cha  robh  maith  gu'm  faiceadh  suil  an 
tuathanaich  na  dealbhan  a  bha  a  mhac  a' 
tarruing  oir  bha  e  an  duil  nach  robh  annta 
ach  faoineas  is  cosg  uine.  Ach  ghleidh  a 
mhathair  am  facal  a  thuirt  an  dealbhadair 
rithe  agus  bhiodh  i  a'  beachd-smuaineachadh 
air  a  h-uile  latha  'n  a  cridhe.  Feasgar 
sonruichte  a  rug  'athair  air  a'  bhalach  agus 
e  a'  tarruing  dealbh  a  mhathar  air  paipear, 
rug  e  air  a'  phaipear  agus  le  feirg  shrac  e 
'n  a  chriomaga  beaga  e,  agus  mhaoidh  e  le 
mionnan  gu'm  breabadh  e  e  na'm  beireadh  e 
air  a  ris  a'  tarruing  dhealbh.  An  sin  chuir  e 
mach  e  a  dh'  ionnsuidh  an  achaidh,  a' 
sgaoileadh  innearach,  gus  an  robh  a  ghair- 
deanna  cho  goirt  ri  chridhe. 

An  la  a  rainig  am  balach  ceithir  bliadhna 
deug  thuirt  athair  ris  nach  rachadh  e  do'n 
sgaoil  tuilleadh,  agus  gu'm  feumadh  e  a 
dhruim  a  lubadh  ris  an  obair.  "  Fhuair 
thu  do  bheatha  a  chur  seachad  gu  dlomhain- 
each  gu  so,"  ars'  esan,  "ach  a  nis  bidh  agad 
ri  oibreachadh  air  son  do  16in,  agus  sgur  de'n 


fhaoineas;  thoir  dhomh  na  dealbhan  agus  na 
pinn  agus  na  h-innealan  eile  les  am  bi  thu 
'g  an  deanamh." 

Thainig  rachd  ann  am  muineal  a'  bhalaich 
agus  de^ir  'n  a  shuilean  ach  dh'  eirich  e  gu 
h-umhail  agus  rinn  e  mar  a  dh'  iarr  'athair 
air.  Gun  uiread  agus  sealltuinn  air  na 
paipearan  a  chuir  am  balach  'n  a  laimh — an 
ulaidh  a  bu  phriseile  a  bha  aige  air  an  t- 
saoghal — stob  an  dxiine  mosach  anns  an  teine 
iad,  agus  ann  an  da  mhionaid  bha  obair  is 
s61as  a'  bhalaich  'n  a  smur. 

An  oidhche  sin  cha  d'  thainig  am  balach 
gu  shuipeir.  Shiubhail  a  mhathair  shios  is 
shiubhail  i  shuas  ach  cha  robh  an  gille  ri 
fhaotainn.  Theab  i  del  as  a  ciall  ach  cha 
d'  thug  an  tuathanach  dhi  de  chomhfhurt- 
achd  ach  so,  "  Na  bi  a'  cur  dragh  air  bith 
ort  fhein  ;  ghabh  an  garlach  saoibhneas  gun 
reusian,  ach  cuiridh  an  t-acras  dhachaidh  e." 

Ach  cha  d'  thainig  e  dhachaidh  an  oidhche 
ud,  no  an  ath  oidhche,  no  iomadh  oidhche  'n 
a  dheidh.  Bha  cridhe  a  mhathar  briste,  ach 
bu  mhotha  fearg  'athar  no  a  bhron. 

Oidhche  fhuar  gheamhraidh,  c(^ig  minsan 
an  deidh  do'n  ghille  teicheadh  air  falbh  bho 
thigh  'athar,  agus  an  tuathanach  agus  a 
bhean  'n  an  suidhe  aig  an  teine,  fosglaidh 
an  dorus  gu  failidh  agus  faicear  am  balach 
'n  a  sheasamh  air  an  stairsnich,  is  eagal  is 
acrasi  is  fiamh  a'  bhais  'n  a  shuilean. 

Leum  a  mhathair  is  chuir  i  a  lamhan  m'a 
amhaich  is  tharruing  i  a  dh'  ionnsuidh  a' 
bhlaiths  e,  ach  cha  do  rinn  'athair  uiread 
agus  stad  de'n  phiob  a  bha  'n  a  bheul. 
Shuidh  e  aig  taobh  an  teine  a'  sealltuinn  air 
a'  ghille  gu  magail  agus  gun  e  ag  radh  diog. 
"  0  !  athair,"  ars'  am  balach,  mu  dheireadh, 
"  nach  bruidhinn  sibh  rium  !  Tha  mi  duil- 
ich  gu'n  do  theich  mi  air  falbh,  ach  ni  mi 
rud  sam  bith  'g  ur  toileaohadh  ma  bheir 
sibh  maitheanas  dhomh." 

"  Seadh,"  ars'  an  tuathanach  gu  fuar 
frionasach,  "  dh'  fhalbh  thu  mar  a  thogair 
thu  agus  thill  thu  mar  a  thogair  thu,  agus  a 
nis  tha  thu  ag  iarraidh  ormsa  gabhail  riut 
mar  nach  biodh  dad  cearr.  Cha  'n  'eil 
annad-sa  ach  diu  nan  gillean  co  dhiu,  agus 
tha  thu  an  duil  nach  'eil  annam-sa  ach  an 
t-amadan  bog  coltach  riut  fh^in.  O'n  a 
thainig  tu  dhachaidh  cha  chuir  mise  a  mach 
as  an  tigh  thu,  ach,"  (le  mionnan  uamhas- 
ach)  "  cuimhnich  so,  nach  t6id  greim  bidh 
ann  ad  bheul  ach  greim  a  dh'  oihricheas  tu 
air  a  shon  gu  goirt." 


26 


Bha  aig  duine  araidh  dithis  mhac.  Agus 
thubhairt  am  fear  a  b'  oige  dhiiibh  r'a  ath- 
air,  Athair  thoir  dhomhsa  &'  chuibhiionn  a 
thig  orm  de  d'  inhaoin.  Agus  rinn  e  orra 
a  bheathachadh. 

Agus  an  deidli  beagan  laithean  chruinnich 
am  mac  a  b'  oige  a  ohuid  uile,  agus  ghabh  e 
a  thurus  do  dhuthaich  fada  as,  agus  an  sin 
sgap  e  a  mhaoin,  a'  caitheadh  a  bheatha  gu 
struidheasach. 

Agus  an  uair  a  chaith  e  a  ohuid  uile,  dh' 
eirich  gort  ro  mhor  anns  an  diithaich  sin ; 
agus  thoisich  e  air  bhi  ann  an  uireasbhuidh. 
Agus  chaidh  e  agus  oheangail  e  e  fein  ri  aon 
de  mhuinntir  na  diithoha  sin ;  agus  chiiir 
esan  d'a  f  hear  ann  e  a  bhiadhadh  mhuc.  Agus 
bu  mhiann  leis  a  bhi  air  a  shasuchadh  leis  na 
plaoisg  a  bha  na  mucan  ag  itheadh ;  aoh  cha 
d'  thug  duine  air  bith  dha. 

Ach  an  uair  a  thainig  e  d'a  ionnsuidh 
fein  thubhairt  e,  Cia  lion  de  luchd-tuarasdail 
m'  athar  aig  am  bheil  aran  gu  leoir  agus 
r'a  sheachnadh,  agus  mise  a'  basachadh  an 
so  leis  an  acras !  Eiridh  mi  agus  theid  mi 
dh'  ionnsuidh  m'  athar,  agus  their  mi  ris, 
Athair  pheacaich  mi  an  aghaidh  neimh  agus 
ann  ad  lathair-sa  cha  'n  airidh  mi  tuilleadh 
gu'n  goirteadh  do  mhac-sa  dhiom  :  dean  mi 
mar  aon  de  d'  luchd-tuarasdail. 

Agus  dh'  eirich  e  agus  thainig  e  dh'  ionn- 
suidh 'athar.  Ach  air  dha  bhi  fathast  fad 
as,  chunnaic  'athair  e,  agus  ghabh  e  truas 
dheth,  agus  ruith  e,  agus  thuit  e  air  a  mhuin- 
eal  agus  phog  e  e.  Agus  thubhairt  am  mac 
ris,  Athair,  pheacaich  mi  an  aghaidh  neimh, 
agus  ann  ad  lathair-sa ;  cha  'n  airidh  mi 
tuilleadh  gu'n  goirteadh  do  mhac-sa  dhiom. 
Ach  thubhairt  an  t-athair  r'a  sheirbhisich, 
Thugaibh  a  mach  gu  luath  an  trusgan  a's 
fhearr,  agus  cuiribh  uime  e ;  agus  cuiribh 
fainne  air  a  laimh,  agus  brogan  air  a  chasan  ; 
agus  thugaibh  an  so  an  laogh  biadhta,  agus 
mai'bhaibh  e,  agus  itheamaid  agus  bitheam- 
aid  subhach ;  oir  bha  mo  mhac  so  marbh, 
agus  tha  e  beo  a  ris ;  bha  e  caillte  agus  fhuai- 
adh  e.     Agus  thoisich  iad  air  bhi  subhach. 

A  nis  bha  a  mhac  a  bu  shine  anns  an  ach- 
adh  ;  agus  an  uair  a  thainig  e  agus  a  tharr 
e  fagus  do'n  tigh,  chuala  e  ceol  agus  dannsa. 
Agus  ghairm  e  d'a  ionnsuidh  aon  de  na  h- 
oglaich,  agus  dh'  fhiosraich  e  ciod  bu  chiall 
do  na  nithe  so.  Agus  thubhairt  esan  ris ;  Tha 
do  bhrathair  air  teachd ;  agus  mharbh  t' 
athair  an  laogh  biadhta,  a  chionn  gu'n  d' 
fhuair  e  slan  fallain  e. 

Ach  bha  fearg  airsan,  agusi  cha  b'  aill  leis 
del  a  steach :  agus  thainig  'athair  a  mach 
agus  ghuidh  e  air.  Ach  fhreagair  esan  agiis 
thubhairt  e  r'a  athair,  Feuch,  tha  raise  a' 
deanamh  seirbhis  dhiut  an  uiread  so  de 
bhliadhnachan,   agus  riamh  cha  do  bhris  mi 


d'  aithne;  gidheadh  cha  d'  thug  thu  riamh 
meann  domh,  a  chum  gu'm  bithinn  subhach 
maille  ri  mo  chairdean.  Ach  an  uair  a 
thainig  do  mhac  so,  a  dh'  ith  suas  do  bheath- 
achadh  maille  ri  striopaichean,  mharbh  thu 
an  laogh  biadhta  dha.  Agus  thubhairt  esan 
ris,  A  mhic,  tha  thusa  a  ghnath  maille  rium, 
agus  na  h-uile  nithe  a's  leamsa  is  leatsa  iad. 
Ach  bu  choir  dhuinn  a  bhi  subhach  agus 
aoibhneach;  oir  bha  do  bhrathair  so  marbh, 
agus  tha  e  beo  a  ris;  agus  bha  e  caillte  agus 
fhuaradh  e. 


Cha  'n  fhaca  duine  Dia  riamh,  air  chor 
agus  nach  'eil  e  idir  furasda  a  radh  co  ris  a 
choslaichear  e.  Theagamh  gur  e  an  t-ainm  as 
buadhmhoire  a  thugadh  riamh  do  Dhia  an 
t-ainm  An  t- Athar  neamhaidh ^  an  t-ainm  a 
thugadh  dha  le  iighdarras  Chriosd,  aoh  do 
mhoran  dhaoine  air  thalamh  an  diugh  cha  'n 
'eil  e  'n  a  sgeul  aoibhneach  a  chluinntinn  gu 
bheil  Dia  coltach  r'an  athraichean.  Tha  an 
t-ainm  'n  a  chnap-starra  dhaibh  an  aite  a 
bhi  'n  a  sholus  'g  an  treorachadh  gu  Dia. 
A  h-uile  bliadhna  tha  mlltean  de  chloinn  air 
am  breith  nach  fhaigh  gaol  no  blaths  no  caid- 
reamh  bho'n  aithrichean,  nach  fhaigh  bhuapa 
ach  mionnan  is  buillean  is  gortachadh- 
cridhe.  Co  ris  a  shamhlaichear  Dia  a  chum 
gu'm  b'i  an  samhladh  sin  'n  a  sgeul  mhaith 
do'n  chloinn  so?  An  abrar  riu  gu  bheil  Dia 
coltach  r'an  athair?  Nach  e  sin  an  cliu  a  bu 
mhiosa  a  b'  urrainn  e  fhaotainn  'n  an 
oluasan. 

O,  sibhse  athraichean  agus  a  mhathraioh- 
ean  a  leughas  an  duilleig  so,  cuimhnichibh 
gur  e  'ur  beatha  agus  'ur  giiilan  am  measg 
'ur  teaghlaioh ;  'ur  gaol  agus  'ur  dilseachd, 
air  neo  'ur  goraiclie  agus  'ur  n-olcas,  a  tha 
toirt  daibh  nan  smuaintean  a  tha  aca  mu 
Dhia,  agus  nach  e  idir  na  chluinneas  iad  anns 
an  sgoil  Shabaid  no  anns  an  eaglais.  An 
uair  a  tha  duine  aig  am  bheil  clann  'n  a 
dhuine  aingidh  tha  'aingidheachd  a'  giulan 
toraidh  ann  an  cuirp  agus  ann  an  inntinn- 
ean  agus  ann  an  anmannan  a  chloinne.  Cio<l 
am  peacadh  as  uamhasaiche  na  gu'n  tugadh 
athair  air  a  mhac  grain  a  ghahhail  air  Dia  ! 


DROCH  LAAIH-SaRIOBHAIDH. 


Faicibh  meud  nan  litrichean  anns  an  do 
figriohh  mi  do  'ur  n-ionnsuidJi  le  mo  Idimh 
fein.      Galat.   vi,  11. 

Ged  nach  duine  beartach  mi  bheirinn  coig 
notaichean  air  ainm  Phoil  'n  a  lamh-sgriobh- 
aidh  fhein.     Theagamh  gu'm  b'  fhearr  le  Pol 


27 


fhein  mi  a  thoirt  nan  coig  notaichean  do'n 
Chomunn  a  tha  feuchainn  ris  na  h-Iudhaich 
iompacliadh,  ach  cleas  an  duine  do  nacli  b' 
aithne  Greigis  ach  a  cheannaich  Faclair 
Greigis  a  chionn  gu'm  faca  e  an  leabhar  air 
a  thairgsinn  air  tasdan  air  bara-roth  air  an 
t-sraid,  agus  gu'ni  bu  mhaith  leis  gun  an 
tamailt  sin  a  bhi  air  a  deanamh  air  sgoileir- 
eachd,  oheannaichinn-sa  seula  Phoil  air  son 
an  aobhair  cheudna  na'n  cluinninn  gu  robh 
e  a'  dol  a  niach  air  neo-ni  cho  suaraoh  ri  coig 
notaicliean. 

Cha  'n  'eil  na  diadhairean  a'  cordadh  mu'n 
fhacal  so  a  labhair  Pol.  Tha  cuid  an  duil 
gur  e  an  seanchas  fada  a  rinn  e  ri  muinntir 
Ghalatia  a  bha  'n  a  inntinn  aig  an  am,  mar 
gu'n  abradh  e,  Faicibh  an  litir  mhor  fhada 
a  ohuir  mi  thugaibh,  seachd  duilleagan  agus 
an  corr.  So  an  doigh  anns  an  do  tliuig  na 
daoine  a  dh'  eadar-tlieangaich  an  seann 
BhiobuU  Gaidhlig  am  facal,  Tha  sihh  a 
faicinn  mtud  na  litreach  a  sgriohh  mi 
dhuihh  le  mo  ldim,h  fein.  Acli  tha  sgoilearan 
eile  am  beachd  nach  e  faidead  a  sheanchais 
a  bha  ann  an  inntinn  Phoil  idir,  ach  a 
dhroch  lamli-sgrlobhaidh,  mar  gu'n  abradh 
e  (a'  gabhail  a  lethsgeil),  Faicibh  na  litrich- 
ean  mora  anns  an  do  sgriobh  mi^  ach  cuimh- 
niohibh  nach  'eil  mo  leirsiinn  maith ;  sin  an 
t-aobhar  gu  bheil  mo  sgriobhadh  cho  mor 
cuagach  's  a  tha  e. 

Ann  an  linn  Phoil  cha  robh  iad  ach  tearc 
a  b'  urrainn  sgriobhadh  idir.  Mar  sin  bha 
daoine  ann  d'am  bu  cheaird  e  litrichean 
dhaoine  eile  a  sgriobhadh,  coltach  rig  an 
luchd-lagha  an  diugh.  Bha  fichead  reusan 
a'  toirt  air  daoine  dol  a  dh'  ionnsuidh  nan 
sgriobhaiohean  sin  a  thuilleadh  air  nach  b' 
urrainn  daibh  fein  sgriobhadh ;  ma  bha 
duine  leasg,  no  ma  bha  e  ann  an  cabhaig,  no 
ma  bha  a  mheur  air  a  gearradh,  no  mur  bu 
mhaith  leis  dragh  a  chur  air  fhein,  b'  fhasa 
dha  suidhe  air  cathair  agus  iarraidh  air  fear 
de  na  sgrlobhaichean  sin  am  peann  a  ghabh- 
ail  air  a  shon.  Sin  mar  a  bha  litrichean 
Phoil  air  an  sgriobhadh,  ach  a  nihain  gu  robh 
e  fhein  a'  cur  'ainme  riu  mar  bharantas  gur 
ann  bhuaith  a  bha  iad.  Faodar  a  bhi  cinn- 
teach  nach  e  an  leisg  a  thug  air  Pol  a  litrich- 
ean a  sgriobhadh  anns  an  doigh  so,  ach  bha 
a  sihiiilean  dona  agus  faodaidh  nach  robh  a 
mheuran  cho  subailt  'g  a  bu  mhaith  leis,  oir 
bha  a  lamhan  air  an  cruadhachadh  le  obair. 
A  thuilleadh  air  sin  bha  paiper  is  craicinn 
daor  aig  an  am  agus  rachadh  aig  na  sgrlobh- 
aichean air  fada  barrachd  a  chur  air  aon 
duilleig  na  rachadh  aig  Pol. 

Ged  nach  h-abair  mise  air  a  cheann  gur 
rud  peaoach  e  do  dhuine  a  bhi  'n  a  dhroch 
sgriobhadair  their  mi  gui-  lud  e  co  dhiu  as 
nach  urrainn  e  a  bhi  uasal,   agus  rud  a  bu 


choir  dha  a  leasiacliadh  ma  theid  aige  air, 
mur  bheil  a  mheuran  cam  leis  an  loinidh  no 
mur  bheil  aobhar  sonruichte  eile  air  a  shon. 
Saoilidh  mi  gu  bheil  e  am  measg  nan  nithean 
a  thoirmisg  Criosd  an  uair  a  thubhairt  e  gur 
an-aoibhinn  do'n  duine  a  chuireas  ceap- 
tuislidh  ann  an  rathad  duine  eile,  no  bheir 
oilbheum  do'n  mhuinntir  lag.  Mur  peacadh 
a  tha  ann  an  droch  sgriobhadh  do'n  fhear  a 
rinn  e,  tha  e  gu  trie  'na  aobhar  peacaidh 
anns  an  fhear  a  bhios  a'  feuchainn  r'a 
leughadh,  'g  a  chur  air  sieacharan  air  rlogh- 
achd  neimh.  An  uair  a  gheibh  thu  litir  agus 
nach  h-urrainn  duit  a  dlreanamh  a  mach  c6 
a  chuir  thugad  i,  no  ciod  a  tha  innte,  le  olcas 
an  sgriobhaidh^  tha  i  a'  cosg  t'  iiine,  agus  a' 
cosg  t'fhaighidinn,  agus  a'  cosg  do  shiiilean, 
agus  rud  is  miosa  air  fad,  is  docha  gu'n  tig 
facail  gu  stairsneach  do  bhilean  nach  bu 
choir  a  bhi  air  an  fuaimneachadh  am  measg 
nan  naomh. 

Is  e  droch-sgriobhadh  aon  de  na  failingean 
as  nach  'eil  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine 
a'  gabhail  naire  air  bith.  Cuiridh  e  naire 
air  daoine  na  facail  a  sgriobhas  iad  a 
litreachadh  gu  cearr,  ach  cha  chuir  e  idir 
naire  orra  na  facail  a  sgriobhadh  cho 
dona  's  nach  gabh  iad  leughadh.  Cha 
'n  'eil  mi  uile  gu  leir  cinnteach  ciod  is 
ciall  da  so,  ach  theagamh  gur  e  is  ciall  da, 
gu  bheil  uiread  de  dhaoine  mora  agus  de 
sgoilearan  maithe  'n  an  droch  sgriobhadair- 
ean.  Saoilidh  na  daoine  beaga  gu  bheil  iad 
a'  fas  mor  an  uair  nach  gabh  an  sgriobhadh 
aca  leughadh,  agus  saoilidh  iad  gu  bheil  iad 
ann  an  cuideachd  uasal  ann  am  measg  nan 
sgoilearan. 

An  la  roimhe  thug  mi  siiil  air  leabhar  ann 
am  buth  leabhraichean  anns  an  robh  ainm- 
ean  maithean  na  rioghachd  so  uile  air  an  cur 
sios  'n  an  lamh-sgriobhaidh  fhein,  agus  mur 
biodh  e  air  innseadh  air  duilleig  eile  c6  iad 
oha  deanainn  a  mach  an  dara  leth  dhiubh. 
Car  son  a  thatar  a'  cur  duine  do'n  sgoil  mur 
h-ionnsaich  e  'ainm  a  sgriobhadh  air  chor  's 
gu'n  aithnich  daoine  eile  a  sheulal  Na  'n 
robh  Pol  cho  dona  air  sgriobhadh  ri  cuid  de 
mhuinntir  na  Parlamaid,  no  cho  dona  ri 
cuid  de  Easbuigean  na  h-eaglais  Shasunn- 
aich,  bhiodh  an  tuilleadh  connsachaidh  mu 
na  litrichean  aige  'g  a  tha  ann  cheana.  Na'n 
do  sgriobh  e  'ainm  air  an  doigh  anns  am 
biodh  an  sgoilear  agus  an  diadhair  ainmeil 
Westcott  a'  sgriobhadh  ainm  fein^  tha  mi  Ian 
chinnteach  gu'm  biodh  argumaid  aca  mu'n 
ghnothuch  ann  an  Galatia,  agus  ann  an 
Corint,  agus  ann  an  Ephesus ;  cuid  ag  radh 
gur  e  ainm  Phoil  a  bha  ris  an  litir  is  cuid 
eile  'g  a  leughadh  mar  ainm  Shilais,  no  mar 
ainm  Lucais,   no  mar   ainm   Pheadair. 

Na'm  faighinn  cothrom  air  droch  sgriobh- 


28 


adairean  t'haotainn  c^niJila,  Sbgum  gu  soii- 
iMiichto  daoine  iiach  sgriobh  an  ainm  ami  an 
doigh  a  ghabhas  a  leughadh,  bheirinii 
dhaibh  searmon  ciuaidh  mu  olcas  an 
gniomharan  agus  dh'  innsinn  dhaibh  ciod  a 
tha  feitheamh  orra  anns  an  t-saoghal  eile 
mur  h-atharraich  iad  an  lamh-sgriobhaidh. 
Dh'  innsinn  dhaibh  nach  'eil  e  iiasal  dhaibh 
a  bhi  cur  uiread  dragh  air  daoine  eile  's  a 
tha  iad  a'  deanamh,  agns  dh'  abrainn  riutha 
siiil  mu'n  t-sroin  gur  e  an  leithidean-san  a 
tha  cur  phostachan  is  phrint-earan  air  seach- 
aran  bho  Dia  le  toibheum,  agus  a'  deanamh 
Bolsheabhicean  de  mhuinntir  a'  Phost  Office. 
Agus  anns  a'  chomh-dhunadh  bheirinn 
dhaibh  so  gu  bhi  'g  a  chagnadh  fo  am  fiaclan, 
— gu  bheil  eanchainnean  troimh-cheile  gle 
bhitheanta  aig  daoine  aig  am  bheil  droch 
lamh-sgriobhaidh.  Tha  ceo  anns  an  inntmn 
an  uair  a  tha  cion  grinneis  air  an  laimh. 

Bha  moran  de  dhaoine  ainmeil  'n  an  droch 
sgriobhadairean ;  Napoleon  is  Montaigne,  is 
Emerson,  is  Tomas  Carlyle,  is  Thomas 
Chalmers.  An  uair  a  bha  fear  de  leabh- 
i-aichean  Charlyle  'g  a  chur  an  clo  ann  an 
Duneidean  b'  fhearr  le  cuid  de'n  luchd-obair 
an  aite  a  thoirt  suas  seach  a  bhi  a'  stri  r'a 
sgriobhadh  a  dheanamh  a  mach.  Tha  e  air 
a  radh  gu'm  biodh  mathair  Chalmers  a' 
gleidheadh  nan  litrichean  a  bhiodh  e  a' 
sgriobhadh  thuice  as  a'  Chollaisite  gus  an 
tigeadh  e  dhachaidh  anns  an  earrach  agus 
an  leughadh  e  fhein  dhi  iad. 

Bha  sgriobhadh  an  t-seann  Diuc  Welling- 
ton   cho    furasda    a    leughadh    's    a    bha    a 
chainnt  furasda  a  tuigsinn.      Ach  bha  e  air 
uairean   air   a   sharachadh  le  droch  sgriobh- 
adairean a  bhiodh  a'   cur  litrichean  thuige. 
Chuir  duine  a  bha  air    son    craobhan    sibn- 
ruichte  air  an  oighreachd  aige  fhaicinn  litir 
thuige,  ag  iarraidh  cead  air  dol  'g  am  faic- 
inn.     Rinn  an  Diuc  a  mach  an  corr  de'n  litir 
ach  cha  b'  urrainn  da  am  facal  craohhan  a 
dheanamh   a  mach.     Mu   dheireadh  shaoil  e 
gur  e  hriogaisean  a  bha    ann,    agus    ged    a 
chuir  e  ionghnadh  m^r   air  c'ar  son   a  bha 
Easbuig  Lunnainn  air    son    a    bhriogaisean 
fhaicinn  (sin  a  rinn  e  de'n  ainm  a  bha  ris 
an  litir),  chuir  e  am  fios-freagairt  so  air  ais. 
"  Bidh  mise  toilichte  bhur  faicinn  uair 
air  bith  a  thig  sibh  a  dh'   ionnsuidh  mo 
thighe,     agus     leigidh     mo     sheirbhiseach 
fhaicinn  dhuibh  uiread  de  mo  bhriogais- 
ean 's  is  maith  leibh  sealltuinn  orra,   ach 
cha  'n  urrainn  mi  a  thuigsinn  ciod  air  an 
t-saoghal  a  tha  toirt  oirbh  tighinn   a  dh' 
fhaicinn  mo  bhriogaisean-sa." 
Ma  chuir  litir  an  Easbuig  ionghnadh  air 
an  Diuc  tha  jni  cinnteach  gu'n  do  chuir  litir 
an  Diuc    an    tuilleadh    ionghnaidh    air    an 


Easbuig,  oir  cha  b'  esaii  a  sgriobh  niu  iia 
craobhan  idir,  ged  a  leugh  an  Diuc  an  t- 
ainm  a  bha  ris  an  litir  mar  ainm  Easbuig 
Lunnainn.  Feuch,  cia  mor  an  connadh  a 
lasar  le  teine  beag ! 

Ach  ged  tha  moran  dhaoine  'n  an  droch 
sgriobhadairean  thug  an  t-Americanach, 
Horace  Greeley,  barr  orra  air  fad.  Tha  e 
air  a  radh  gur  e  esan  sgriobhadair  a  bu 
mhiosa  a  bha  riamh  air  an  t-saoghal.  Chuir 
l>oirionnach  air  chor-eigin  pios  bardaehd  a 
dh'  ionnsuidh  a'  phaipear  aige  an  diiil  gu'n 
ciiireadh  e  a'  bliardachd  anns  a'  phaipear, 
agus  gu'm  paigheadh  e  i  air  a  shon.  Cha 
robh  an  rud  freagarrach  air  son  a'  phaipear, 
agus  sgriobh  e  air  aisi  a  dh'  innseadh  sin  dhi. 
Cha  b'  urrainn  i  an  litir  a  leughadh,  ach 
chuidich  an  teaghlach  uile  leatha  fad  da 
latha,  agus  mu  dheireadh  is  e  a  thug  iad 
aisde  gii  robh  an  duine  a'  tairgsinn  a 
p6sadh. 

Tha  e  cho  duilich  dhuit  gnothuch  a  dhean- 
amh le  litir  ri  duine  aig  a  bheil  droch  lamh- 
sgriobhaidh  's  a  tha  e  dhuit  seanchas  a 
dheanamh  ri  duine  gagach.  Ach  ged  nach 
h-urrainn  an  duine  gagach  a  ghagaiohe  a 
chuideachadh,  b'  urrainn  an  droch  sgriobh- 
adair sgriobhadh  na  b'  fhearr  na'n  gabhadh 
e  uine,  no  na'm  biodh  meas  aige  air  grinn- 
eas,  no  na'm  biodh  co-fhaireachduinn  aige 
ris  na  daoine  a  dh'  fheumas  a  leughadh. 
Cha  'n  'eil  e  an  dara  cuid  modhail  no  crios- 
dail  do  dhuine  dragh  a  thoirt  do  dhaoine 
eile  nach  ruigeadh  e  a  leas.  An  la  roimhe 
fhuair  mi  litir  a  bha  air  a  sgriobhadh  air 
oeithir  duilleagan  de  phaipear  mor  farsuing, 
ach  ged  a  dh'  fheuch  mi  r'a  leughadh  dh' 
fhairtlich  orm  a  dheanamh  a  mach  c6  a 
sgriobh  i.  An  toiseach  shaoil  mi  gur  e  cuid- 
eigin  a  chuir  thugam  crioman  Gaidhlig  air 
son  an  leabhair  dheirg,  ach  an  ath  shuil  a 
thug  mi  oirre,  cha  b'  urrainn  mi  facal  a  bha 
coltach  ri  facal  Gaidhlig  fhaotainn  innte; 
an  sin  choltaich  mi  an  sgriobhadh  ri  Arabic, 
ach  an  ath  mhionaid  thuirt  mi  rium  fhein 
nach  robh  ach  triuir  uile  gu  leir  d'am  luchd- 
e61ais  d'am  b'aithne  Arabic,  agus  gu  robh 
an  triuir  sin  'n  an  deagh  sgriobhadairean ; 
an  sin  thainig  e  a  steach  orm  gur  e  Algebra 
a  bha  air  na  duilleagan,  agus  cho  luath  's  a 
thainig,  chuir  mi  an  litir  anns  an  teine,  an 
aon  aite  as  freagarraiche  air  son  Algebra. 
Ach  CO  dliiu  a  bha  innte  Arabic  no  Algebra 
no  Gaidhlig  cha  'n  fhaca  tu  rud  riamh  a  bu 
choltaiche  ri  obair  figheadair  na'n  sgriobh- 
adh ud.  Beir  thusa,  a  leughadair,  air  tri 
figheadairean ;  tum  iad  ann  am  botul  ink, 
agus  an  sin  leig  mu  r6ir  iad  air  paipear 
glan  ;  agus  ann  an  da  mhionaid  chi  thu  co 
ris  a  bha  an  litir  a  fhuair  mise  coltach. 


Air.    8. 


1924. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Feasgar  an  de  thainig  coimhearsnach  'g 
am  fhaicinn,  coimheaisnach  ris  an  abair 
sinn,  A'  Ghailleach-Oidhche.  Thugadh  an 
t-ainm  ud  air  a  chionn  gu  bheil  a  sheanchas 
coltach  ri  guileag  na  cailleach-oidhche, 
tiiirseach  dubhach.  Tha  na  deoir  daonnan 
'n  a  ghuth,  agus  a  chridhe  Ian  eagail.  Tha 
mi  cinnteach  gu'n  d'  innis  e  dhomh  fichead 
uair  oheana  gu  bheil  iompaiieachd  Bhreat- 
uinn  a'  dol  sios  agus  nach  fhada  gus  am  bi 
sinn  f  o  na  oasan  aig  Japan ;  gvi  bheil  an 
eaglais  Chriosduidh  a'  dol  sios  ouideachd 
agus  nach  fhada  gus  am  bi  na  Mohammed- 
anaich  na's  lionmhoire  na  luchd-leanmhuinn 
Chriosd  ;  gu  bheil  an  dara  leth  de  mhuinntir 
na  duthdia  sO'  'n  am  Bolseabhaicean  agus  nach 
fhada  a  bhios  duine  idir  ann  dileas  do  Dhia 
no  do'n  chriin.  Chuireadh  seanchas  an 
duine  eagal  orm  vawr  b'e  gu'n  cuala  mi  a 
leithid  roimlie.  An  uair  a  shuidheas  duine 
fo  chraoibh-aiteil  agus  a  thoisicheas  e  air 
faidheadaireachd  a  dheanamh  cha  ruig  thu 
leas  deanamh  ris  ach  mar  a  rinn  an  t-Urra 
Mor  agus  an  t-Urra  Glic  ri  Eliah  an  la  ud 
a  thainig  e  'n  a  lathair  ann  an  rlochd  caill- 
each-oidhche;  "threig  clann  Israeli  do 
chonihcheangal,  thilg  iad  sios  fc'  altairean, 
agus  mharbh  iad  t'  fhaidhean  leis  a'  chlaidh- 
eamli ;  agus  dh'  fhagadh  mise  a  mhain." 
Bha  ciiisean  na  b'  fhearr  na  shaoil  Eliah  ; 
bha  seachd  mile  ann  an  Israel  nach  do  Rib 
an  gliin  do  Bhaal. 

Ach  cha  b'  ann  mu'n  eaglais  na  mu'n  staid 
a  bha  mo  choimhearsnach  ag  innseadh  nithe 
bronach  dhomhsa  an  de ;  bha  port  iir  aige 
an  de,  agus  b'e  so  am  port,  gu  bheil  sluagh 
na  diithcha  'g  am  ptiinnseanachadh  fhein  le 
tea.  Thuirt  e  nach  'eil  na  fir  cho  laidir  's 
a  bha  iad,  no  na  boirionnaich  cho  boidh- 
each,  a  chionn  gu  bheil  iad  air  am  puinn- 
seanachadh  le  tea.  Thuirt  e  rium  nach 
ruigear  a  leas  sealltainn  ris  na  dotairean 
air  son  an  cunnart  innseadh  do  dhaoine,  a 
chionn  gur  h-ann  bho  obair  na  tea  a  tha  iad 
a'  faotainn  da  thrian  d'an  tighinn-a-steach. 
Cha  'n  'eil  cuimhne  agamsa  air  a'  h-uile 
galair  is  eucail  a  dh'  innis  e  dhomh  a  bhios 
an  tea"  ag  aobharachadh,  ach  co  dhiu  bha 
rann  mhor  fhada  dhiubh  aige,  agus  bha  gal- 
airean  nam  measg  air  nach  cuala  mise  iom- 
radh  riamh  rninihe.  Ach  tha  cuiinhne  agam 
air  an  fheadhainn  so;  droeh  stanjag,  loso-adh- 
braghad,  a'  ghlas-seile,  an  crith-ghalar,  a' 
chaitheamh,        an       galair-cridhe,       beul-a- 


mhaothain,  an  loinidh,  an  greim-mionaich, 
a'  bhuidheach.  Thuirt  e  cuideachd  gu  bheil 
an  tea  ullamh  gu  lionn-dubh  is  breolaid  a 
thoirt  air  moran  dhaoine,  agus  gu  bheil  i  a' 
cur  barrachd  dhaoine  do'n  tighchuthaich 
na'n  t-uisge-beatha. 

Lean  e  air  fad  leth-uair  an  uaireadair  a' 
cur  crith  air  m'  fheoil  le  rudan  de'n  t- 
seorsa  sin,  ach  ged  a,  chaill  mi  mo  chainnt 
agus  nach  b'  urrainn  mi  mo  thaobh  fhein 
de'n  argumaid  a  chumail  suas,  cha  do  chaill 
mi  mo  thur  gu  buileach,  oir  chuimhnich  mi 
ciod  a  thuirt  an  t-aingeal  ri  Eliah  an  uair  a 
thoisich  e  air  guileag  mar  chailleach-oidhche, 
Bhuail  mi  an  clag  is  dh'  iarr  mi  air  Celt  an 
tea  a  chur  a  steach  thugainn,  agus  i  hhi  tcth 
is  Ididir. 

Tha  mise  ag  61  tea  bho  chionn  da  fhichead 
bliadhna  ach  cha  d'  fhairich  mi  riamh  gu'n 
do  rinn  i  cron  dhomh,  agus  na'n  robh  teanga 
a'  bhaird  agam,  rud  nach  'eil,  dheanainn 
laoidh  'g  a  moladh.  Ann  an  litreachas  na 
Gaidhealtachd  gheibhear  gu  leoir  de  orain  a' 
moladh  an  uisge-bheatha,  ach  cha  do  mhol  ar 
baird  an  tea.  Na  rannan  a  gheibhear  mu'n 
tea,  is  ann  'g  a  dimoladh  a  tha  iad. 

Fhir    a    tha    cumant    a'    siubhal   nan    garbh- 

chrioch, 
Thig  agus  innis  dhomh  nis  o  chionn  aimsii-, 
C'ait  bheil   a'   chaileag  tha  coltach  ri   sean- 

mhair, 
Tha  iad  air  searg  le  duilleach  na  tea. 

Cha  'n  eil  cuimhne  agam  c6  a  rinn  an  t- 
oran  so,  ach  c6  air  bith  a  rinn  e,  cha  robh 
ann  ach  a'  chailleach-oidhche,  oir  tha  caill- 
eagan  an  la  diugh  fada  na's  boidhche  na'n 
seanmhairaichean. 

Dh'  fhaodadh  an  Comunn  Gaidhealach 
rudeigin  a  dheanamh  gus  a  h-aite  fhein  a 
thoirt  do'n  tea  ann  an  litreachas  na  Gaidh- 
ealtachd na'n  tugadh  iad  aon  de  na  duais- 
ean  aig  a'  Mhod  air  son  oran  'g  a  moladh. 
Na'n  robh  mi  dliith  do  m'  charaid  ann  an 
Cillfhinn,  Mghr.  Mac  Aoidh,  chuireamaid 
ar  cinn  ri  ch6ile,  is  theagamh  gu'm  biodh 
teine  mor  air  fhadadh.  Ach  bha  na  baird 
riamh  baigheil  ris  an  uisge-bheatha,  is 
bhiodh  eagal  orm  nach  cuireadh  an  tea  a 
sheinn  iad. 

Co  a'  cheud  duine  a  rinn  teal  Sin  atrad 
oeivst  nach  h-urramn  mise  a  fhreagairt,  ach 
na'm  b'aithne  dhomh  ainm  an  duine  dh' 
(Mainn  air  a  shlainte  a'  h-uile.  latha.  Tha 
e  gle  iongantach  nach  aithne  dhuinn  na 
daoine  as  motha  a  tha   sinn   'n  an  comain. 


30 


Neo-ar-thaing  nach  cual  an  saoghal  inu 
Mharconi,  ged  tha  teagamh  again  nach  do 
mheudaich  innleachdan  Mharconi  sonas  a' 
chinneadh-daonna  ach  gle  bheag;  chuala 
simi  CO  a'  cheud  duine  a  rinn  bata-smiiid,  is 
carbad-smiiid,  is  motor  car,  is  innealan  eile 
a  tha  feumail  is  goireasach  do  mhac  an 
duine.  Ach  c6  a'  cheud  duine  a  bhleoghain 
mart  no  chunnaic  gu'n  gabhadh  bainne 
faotainn  bho  chrodh;  co  a'  cheud  duine  a 
chuir  slol  no  chunnaic  gu'n  gabhadh  aran 
deanamh  air  an  doigh  sin;  co  a'  cheud  duine 
a  las  teine  riamh.  Sin  na  daoine  a  b'  fhiach 
urram  a  thoirt  daibh  agus  cha  'n  e  Alasdair 
Uaibhreach  no  Pharaoh. 

Is  ann  mu'n  bhliadhna  1657  a  thoisich 
muinntir  Bhreatuinn  air  tea  61,  ach  b'  aithne 
dhaibh  i  ann  an  China  corr  is  mile  bliadhna 
roimhe  sin.  A  reir  seann  sgeulachd  a  tha  aca 
ann  an  China  b'e  mac  righ  aims  na  h-Innsean 
an  Ear  a  fhuair  a  mach  an  luibh  an  toiseach, 
duine  a  bhiodh  ag  innseadh  do  dhaoine  eile 
gur  e  an  doigh  air  a  bhi  sona  feoil  is  fuil  a 
sheachnadh,  agus  gun  dad  itheadh  ach  luibh- 
ean.  Ciod  a  their  thu  ris  a  sin,  a  leughadair? 
Am  bu  mhaith  leat  an  doigh  sin  fheuchainn? 
Air  mo  shon  t'hein  dheth  bhiodh  mo  reusan 
air  taobh  mac  an  righ  ach  tha  mi  'n  duil 
gu'ni  biodh  mo  ghoile  'n  a  aghaidh.  Leis  a' 
chleachadh  a  bhi  ag  itheadh  uiread  feola 
is  eisg  bhiodh  e  duilich  do  dhaoine  dol  air 
an  ais  a  nis  gu  luibhean,  ach  na'n  gabhadh 
e  deanamh,  biodh  e  nioran  na  bu  bheusaiche 
agus  na  bu  chaomhaile. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  bha  mi  a' 
bruidhinn  ri  boirionnach  a  bha  a'  biathadh 
cearc-ghuir  aig  an  robh  naoi  no  deich  de 
bhigeanan ;  aims  a'  bhruidhiim  a  bha 
agaiim  thainig  faoileann  agus  beiridh  i  air 
fear  de  na  bigeanan  is  falbhar  leis.  Na'n 
cluinncadh  sibhse  an  caineadh  a  rinn  am 
boirionnach  agus  mi  fhein  air  an  fhaoilinn  ! 
Thuirt  sinn  r'a  cheile  gu'm  b'  uamhasach 
an  rud  a  rinn  i ;  nach  robh  innte  ach  creut- 
air  mosach  an-iochdmhor, — agus  nach  b' 
fhearr  i  dad  na  na  daoine  dubha  a  bhios  ag 
itheadh  nan  soisgeulaicheaii  a  chuirear 
thuca.  Ach  fad  na  h-uine  cha  robh  ann- 
ainii  ach  na  Pharasaich,  a'  sioladh  na 
lueanbh-chuileig  agus  a'  sluigeadh  camhail, 
oir  an  uair  a  chaidh  sinn  a  steach  a  ghabh- 
ail  bidh,  ciod  a  chuir  am  boirionnach  air 
mo  bheulaobh  air  a'  bhord  ach  coileach  mor 
reamhar,  athair  a'  hJiigein  a  thug  an  fhaoil- 
eaiiu  leathal  Ghabh  toise  mo  chuid  fhein 
de'n  choileach,  agus  dh'  ith  ise  crioman 
dheth  cuideachd,  ach  cha  d'  thainig  e  fodh- 
ainii  idir  nach  b'  fhearr  sinn  dad  na'n 
fhaoileaim.  Ma  sheallas  tii  air  an  rud  gu 
cothrnmach  bha  sinn  na  bu  mhosaiche  agus 
na  b'  an-iochdmhoire  na'n  fhaoileann,  oir 
rinn  sinn  aim  am  fuil  fhuar  a'  cheart  ni  a 


rinn  an  fhaoileann  ann  am  fuil  theth.  A 
thuilleadh  air  sin  bha  seorsa  de  chairdeas 
eadar  am  boirionnach  agus  an  coileach,  no 
CO  dhiu,  bha  eolas  maith  aca  air  a  cheile, 
oir  is  e  a  lamh  a  bheathaich  e  o  na  bha  e 
'na  bhigein.  Cha  robh  aioe  ach  diug  diug 
a  ghlaodhach,  agus  ruitheadh  e  'n  a 
comhdhail  is  dheanadh  e  fiughair  rithe,  ach 
latha  de  na  laithean  a  ruith  e  'g  a  h-ionii- 
suidh  gu  toilichte,  rug  i  air  is  chuir  i  car 
'n  a  amhaich,  is  ithear  e. 

Is  e  lagh  na  coille  agus  lagh  na  maia, 
"a'  bheist  as  motha  ag  itheadh  na  beiste  is 
lugha"  ach  ged  nach  toigh  leinn  aideachadli 
tha  an  lagh  ceudna  a'  riaghladh  beatha 
chloinn-daoine.  Agus  rud  gle  neonach  cha 
'n  'eil  an  lagh  so,  a  reir  choslais,  a'  toirt 
oilbheum  do  reusan  no  do  choguis  mhic  an 
duine.  Tha  ar  reusan  agus  ■'ar  coguisean 
air  an  teagasg  air  a  leithid  de  dhoigh  's 
gu'n  toirmisg  iad  dhuinn  nithean  son- 
ruichte  a  dheanamh  nach  'eil  idir  olc  no 
graineil  annta  fhein,  ach  cha  toirmisg  iad 
dhuinn  lamhachasi-laidir  bruideil  a  dhean- 
amh air  ci'eutairean  neo-chiontach  nach  do 
rinn  cron  air  bith  oirim.  Leigidh  iad  leinn 
dearmad  a  dheanamh  air  trocair  is  dilseachd 
is  gradh  is  nithean  mor  is  cudthi-omach  eile 
ged  nach  leig  iad  leinn  dearmad  a  dhean- 
amh air  deachamh  a  thoirt  as  a'  mhionnt, 
agus  as  an  anise,  agus  nithean  beaga  suar- 
ach  eile.  Na'm  biodh  coinneamh  aig  cearcan 
is  crodh  is  caoraich,  agus  na'n  iarradh  iad 
air  aon  diubh  fhein, — abair  air  seana  choil- 
each glic,  a  bheachdan  air  clann-daoine  a 
thoirt  do'n  oigridh,  ciod  a  b'  urrainn  e  a 
radh  ach  so,  "0,  a  chlann  na  machrach,  na 
cuiribh  'ur  n-earbsa  ann  am  mac  an  duine 
oir  tha  e  cho  seolta  agus  cho  fuar  ris  an 
nathair.  Labhraidh  e  ruibli  le  briathran 
mine,  sliogaidh  e  agus  cniodaichidh  e  sibh 
mar  gu'm  biodh  gaol  aige  oirbh,  ach  an  uair 
nach  saoil  sibh,  tioimdaidh  e  oirbh  mar  an 
tigar,  is  marbhaibh  is  ithidh  e  sibh."  Na'm 
biodh  agam  ri  oi-aid  de'n  t-seorsa  sin  a 
fhreagairt  cha  'n  'eil  fhios  agam  air  an  t- 
saoghal  ciod  a  theirinn. 

Ach  tha  an  t-am  agam  tilleadh  a  dh'  ionn- 
suidh  na  tea,  oir  is  ciimteach  gu  bheil  i  a' 
fas  fuar,  agus  ciod  a  tha  ann  an  tea  fhuar 
ach  stiurag  gun  bhlas  gun  loinii.  Tea  a  tha 
lag,  is  meogh-bhlath,  is  glas  aims  an  dath, 
thoir  an  seorsa  sin  do  phaisdean  no  doirt 
aim  am  biadh  nam  muc  i,  oir  cha  bhiodh  e 
freagarrach  a  tairgsiim  do  dhuine,  aig 
a  bheil  ineas  air  an  luibh  bheannaiehte.  Cha 
freagair  airsan  ach  tea  a  tha  teth,  is  laidir, 
is  buidhe  le  uachdar  maith,  agus  i  ann  an 
cupa  mor.  Coma  learn  na  meurain  bheaga 
a  bhios  mi  a'  faotainn  air  uairean  aim  an 
tighean  rlomhach ;  cha  'n  'eil  annta  ach 
mealladh    is    campar     spioraid.       A  thaobh 


.^1 


tea,  clio  iiihaith  ri  rudaii  eile,  is  ceart  gu'iii 
biodh   deagh  thonihas   air   a  thoirt  seachad. 

Tha  mi  an  duil  gur  e  an  t-OUamh  Mac 
Iain  diongair  tea  a  bu  mho  a  bha  riamh  air 
an  t-saoghal.  Cha  toigh  leam  am  facal 
drongair,  oir  cha  'n  'eil  e  boidheach,  ach 
tuigidh  tu  ciod  a  tha  mi  a'  ciallachadh  leis. 
Cha  robh  e  'n  a  phoitear  flona ;  fad  fichead 
bliadhna  sheachain  e  fion  is  uisge-beatha, 
agus  cha  bheanadh  e  do  dheoch  eadhon  aig 
buiixl  nan  tigliearnan  Gaidhealach  far  an 
robh  uisge-beatha  cho  pailt  ris  a'  bhurn. 
Ach  ciod  air  bith  uair  de'n  latha  a  rachadh 
tu  'g  a  fhaicinn  bhiodh  a'  phoit  tea  ri  taobh 
an  teine.  Bha  an  coire  aige  daonnan  air 
ghoil,  air  a,'  mheadhon-  oidhche  is  trath 
anns  a'   mhaduinn. 

An  uair  a  bha  e  ann  an  Caisteal  Dhun- 
bheagain  dh'  61  e  seachd  cupaichean  deug  aig 
aon  suidhe ;  uair  eile  dh'  61  e  c6ig  air  fhich- 
ead,  ach  dh'  61  e  an  uiread  sin  a  chur  fearg 
air  boirionnach  sionruichte  a  dh'  iarr  g.u 
tea  6,  cha  'n  ann  air  ghaol  a  chuideachd, 
ach  air  ghaol  a  leigeil  fhaicinn  do  dhaoine 
gu'm  b'  aithne  dhi  an  t-Ollamh  Mor.  Ach 
ged  a  dh'  61adh  an  t-Ollamh  M6r  deich 
eupaichean  fichead  tea  bhiodh  aite  aige  do 
fhear  eile  na'n  cothaichteadh  air  e. 

Gus  too  charaid  a'  Chailleach-oidhche  a 
chur  air  'uilinn  smuainich  mi  gu'n  abrainn 
ris  gu  bheil  an  tea  maith  air  daoine  a  chur 
gu  seanchas,  agus  gur  e  meud  's  na  bhiodh 
e  ag  61  dhith  a  rinn  an  t-Ollamh  Mac  Iain 
cho  maith  ann  an  argumaid  's  nach  d'  fhuair 
duine  riamh  a'  chuid  a  b'  fhear r  dheth. 
Ach  chuir  e  a'  ghlas-ghuib  orm  anns  a' 
mhionaid,  "An  t-Ollamh  Mac  Iain,"  ars' 
esan,  "ciod  e  a  bha  anns  an  Ollamh  Mac 
Iain  nach  duine  a  bha  Ian  de'n  lionn-dubh, 
agus  a  bha  uile  laithean  a  bheatha  aii' 
stairsneach  an  tigh-chut.haich.  Agus  crioch- 
naichidh  tusa  do  laithean  fhein  ann  mur 
sguir   tu   dhith." 

An  uair  a  bhuaileas  duine  farachan  air 
duine  eile  anns  a'  cheann  mar  a  bhuail  mo 
charaid  ormsa  tha.  an  t-am  aca  an  seanchas 
atharrachadh,  air  neo  dealachadh,  agus  sin 
a  rinn  mise,  dh'  athairaich  mi  an  seanchas; 
ach  ged  nach  d'  thubhairt  mi  ris-san  e 
faodaidh  mi  a  radh  ris  na  daoine  caomh  a 
bhios  a'  leughadh  na  duilleig  so,  gu  bheil 
mise  an  dochas  an  Ni-maith  nach  crioch- 
naich  mi  mo  laithean  ann  an  lionn-dubh, 
no  ann  an  tigh-cuthaich,  ach  ann  am  bothan 
beag  grinn  air  an  ,  do  leag  mi  mo  shiiil 
cheana,  an  coinneamh  an  la  anns  an  abair 
an  eaglais  riimi  gu  bheil  mi  air  fas  Aosda 
agus  Anfhann ,  agus  gur  fhearr  dhomh  m' 
fhalluinn  a  thilgeil  air  guaillean  as  6ige. 
Ach  ma'n  tig  an  la  sin  tha  mi  an  dochas 
gu'm  bi  an  tea  eadhon  na's  saoire  'na  tha 
i  an  diugh,  ged  nach  h-ann  a'  gearan  a  tha 


mi,  oir  clia'n  'eil  run  'n  aui  chridhe  air 
sgur  dhi.  An  luibh  bheannaichte  !  c6  a 
chuireadh  sios  oirre  ach  duine  a  tha  'a 
chridhe  fhein  Ian  puinnsein  agus  a  cheann 
Ian  sheilleanan. 


POL    AGUS    ONESIMUS. 
Onesi'mus   a   bha   roimhe   so    neo-tharbhacli 
•■dhuit-sa,  ach  a  nis   a    tha   tarbhach   dhuit-sa 
agus   dhomhsa.      (Litir   Phoil   gu  Philemon). 

Is  iomadh  duine  dona  a  thainig  trasd  air 
Pol,  uair  no  uaireigin  'n  a  bheatha,  ach 
cha  d'  amais  duine  riamh  air  a  bu  mhiosa 
cliu  na  Onesimus,  an  uair  a  bha  e  air  faon- 
dradh  anns  an  R6imh  an  deidh  na  meirle  a 
rinn  e  ann  an  Colosse.  Bha  daoine  a'  seall- 
tuinn  slos  air  na  traillean  na  bu  mhotha  na 
bha  iad  a'  sealltuinn  sios  air  na  cis-mhaoir, 
agus  cha  robh  ann  an  Onesimus  ach  an 
dubh-thraill  ann  an  tigh  a  mhaighstir.  Ach 
do  bhrlgh  gu  robh  iomhaigh  Dhe  air  a'  cur 
air  na  traillean  mar  a  bha  i  air  a  cur  air 
daoine  eile  bha  cuid  dhiubh  a  ghabh  ris  an 
t-soisgeuil,  agus  a  bha  air  an  liubhairt  bho 
thraillealachd  a  bu  mhiosa  na  geimhlean  na 
feola  gu  saorsa  ghlormhor  cloinne  Dhe. 
"  Roghnaich  Dia  nithean  amaideach  an  t- 
saoghail,  a  chum  gu'n  cuireadh  e  gu  naire 
na  daoine  glice ;  agus  roghnaich  Dia  nithean 
anmhann  an  t-saoghail,  a  chum  gu'n  cuir- 
eadh e  gu  naire  na  nithean  neartmhor ;  agus 
nithe  suarach  an  t-saoghail,  agus  nithe 
dimeasach,  roghnaich  Dia,  a  chum  gu'n 
cuireadh  e  na  nithean  a  tha  ann  an  neo- 
bhrigh,  a  chum  nach  deanadh  fe6il  air  bith 
uaill  am  fianuis  Dhe." 

Ach  gus  an  naigheachd  innseadh  gu  ceart 
feuinaidh  mi  t6iseachadh  aig  an  toiseach. 
Ann  am  baile  Cholosse  bha  teaghlach  coir  air 
am  biodh  Pol  a'  tadhall  air  a  thurusan 
soisgeulach,  agus  a'  cur  seachad  na  h- 
oidhche  maille  riu.  B'e  Philemon  ceann  an 
teaghlaich ;  Apphia  ainm  a  mhnatha,  agus 
Archippus  ainm  a  mhic.  Bha  muinntir 
an  tighe  ud  uile  'n  an  luchd-aideachaidh,  is 
eudmhor  air  taobh  an  Tighearna,  agus  is 
ann  anns  an  tigh  aca  a  bhiodh  na  Crios- 
duidhean  ann  an  Colosse  gle  bhitheanta  a' 
cruinneachadh. 

Bha  Philemon  gu  maith  air  a  dh6igh,  co 
dhiu  maith  gu  le6ir  air  a  dh6igh  's  gu  robh 
traillean  aige.  B'e  Onesimus  fear  dhiubh 
sin,  agus  theagamh  gu  robh  Pol  eolach  air 
aodann  an  duine  fhaicinn  an  uair  a  bhiodh 
e  a'  fuireach  c6mhla  ri  Philemon.  Ach  cha 
robh  anns  an  traill  ach  an  traill  fhein  ;  latha 
de  na  laithean  ghoid  Onesimus  airgiod  a 
ciste  a  bha  anns  an  t-seomar  aig  Philemon, 
is  thug  e  as  a  chasan.  Theich  e  do'n 
Roimh,  an  duil  nach  beirteadh  air  an  sin  co 
dhiu. 


32 


Co  a  bha  anns  an  Roimh  aig  an  am  ach 
Pol,  a'  togail  fianuis  air  taobh  Chriosd  agus 
fireantachd  an  t-soisgeil.  Co  dhiu  a  thach- 
air  iad  air  a  cheile  le  tuiteamas,  no  bhuail 
a  choguis  air  Onesimus  agus  a  rinn  e  fhaos- 
aid  ri  Pol  as  a  cheann  fhein,  cha  'n  urrainn- 
ear  a  radh,  ach  ciod  air  bith  an  doigh  anns 
an  d'  oibrich  freasdal  an  Tighearna  choinn- 
ich  iad  anns  an  Roimh,  agus  bha  seanchas 
eatorra  nach  cuala  cluas  eile.  Agus  is  e  a 
thainig  as  an  t-seanchas  sin  gu  robh  Ones- 
imus air  iompachadh. 

Ach  bha  fhios  aig  Pol  gle  mhaith  nach 
robh  ann  an  Onesimus  ach  boganach  is 
gaotharan ;  bha  fhios  aige  nach  biodh  e 
furasida  dha  a  bhi  dileas  do  Chriosd  am  measg 
buairidhean  lionmhor  a'  bhaile  mhoir,  agus 
mar  sin  chuir  e  roimhe  gu'm  feumadh  e  am 
baile  fhagail.  Ach  c'  aite  an  rachadh  e? 
Thuirt  e  ri  Pol  nach  leigeadh  a  naire  leis  a 
ghniiis  a  nochdadh  ann  an  Colosse,  no  dol 
air  beulaobh  Philemoin  ari  deidh  rud  cho 
leibideach  a  dheanamh  air.  "  Na  biodh  eagal 
air  bith  ort,"  arsa'  Pol  ris,  "tha  gradh  an 
t-soisgeil  ann  an  cri(ihe  Philemoin ;  sgriobh- 
aidh  mi  fhein  litir  thuige  a  dh'  iarradh  air 
gabhail  riut  air  mo  sgath  fhein  agus  chi 
thu  gu'n  dean  e  do  bheatha  an  uair  a  ruig- 
eas  tu." 

Sin  mar  a  bha  ;  sgriobh  Pol  an  litir  bheag 
bhoidheach  ud  gu  Philemon  a  gheibhear  am 
measg  nan  litrichean  eile  aige  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh.  Cha  'n  'eil  iomradh 
innte  air  jjudngean  creidimh,  no  air  nith- 
ean  diomhair  is  domhain ;  cha  'n  'eil  innte 
ach  sgrlob  bheag  de'n  pheann  a  chuir  aon 
duine  maith  gu  duine  maith  eile  a  b'  aithne 
dha,  ag  iarraidh  air  fabhar  sonruichte  a 
dheanamh  ris.  B'e  am  fabhar  a  dh'  iarr 
Pol  air  Philemon,  gun  e  bhi  coimheach  ris 
an  train  a  rinn  an  cron  air,  ach  gabhail  ris 
gu  caoimhneil,  a  chionn  nach  b'e  an  duine 
a  bha  ann  aon  uair  a  bha  ann  idir  a  nis  ; 
"duine  a  bha  roimhe  so  neo-tharbhach 
dhuit-sa,  ach  a  nis  a  tha  tarbhach  dhuit-sa 
agus  dhomhsa." 

Tha  e  cinnteach  gu'n  do  chuir  Philemon 
fios-freagairt  air  ais  gu  Pol,  ach  ma  chuir, 
cha  'n  'eil  an  litir  sin  air  faotainn  an  diugh. 
Is  rud  mlorbhuileach  e  gu  bbeil  litir  Phoil 
fhein  air  faotainn  agus  gu  bheil  i  an  diugh 
air  a  gleidheadh  am  measg  leabhraichean  ris 
an  abrar  Facal  an  Tighearna.  Cha  robh 
smuain  ann  an  cridh©  Phoil  gu'n  tachradh 
sin,  agus  na'n  robh  e  air  innseadh  dha,  tha 
mi  cinnteach  gu'n  cuireadh  e  ionghnadh  air. 
Shaoileadh  e  nach  deanadh  Philemon  ris  an 
litir  ach  a  tilp;eil  anns  an  teine  an  uair  a 
leiighadh  e  i,  ach  ghleidh  Philemon  an  litir 
gu  curamach,  agus  moran  bhliadhnachan 
an  deidh  bas  Phoil,  an  uair  a  dh'  fhas  daoine 
cho  measail  air  's  nach  duiraigeadh  iad  aon 


lide  de  na  labhair  no  sgriobh  e  a  leigeil  air 
dichuimhne,  bha  an  litir  bheag  ghrinn  so 
air  a  toirt  am  follais,  agus  air  a  cur  a  mach 
am  measg  nan  sgriobturan  eile.  Ann  an 
aon  seadh  faodar  Facal  an  Tighearna  a  radh 
rithe,  ach  ann  an  seadh  eile,  cha  'n  'eil  innte 
ach  facal  Phoil,  facal  nach  biodh  idir  air  a 
sgriobhadh  na'n  robh  Philemon  cho  dluth 
dha  's  gu'm  faodadh  e  bruidhinn  ris,  agus 
am  fabhar  ud  iarraidh  air  gu  pearsonta. 
Ged  tha  an  litir  so  sean  tha  i  ur  cuideachd, 
cho  ur  ',s  gu  bheil  ficheadan  d'a  seorsa  air  an 
sgriobhadh  a  h-uile  seachduinn.  Ach  tha  i 
a'  cur  soluis  air  beatha  na  h-eaglais  ann  an 
linn  nan  abstol  agus  a'  nochdadh  dhuinn 
spiorad  an  Tighearna  agus  an  gliooas  ata  o 
shuas  ag  oibreachadh  ann  an  inntinn  an 
duine  a  sgriobh  i. 

Cha  'n  'eil  mi  a'  dol  a  radh  an  corr  mu'n 
litir,  no  a'  dol  a  leudachadh  oirre,  facal  an 
deidh  facail,  is  rann  an  deidh  rainn  ;  tha  i 
furasda  gu  leoir  a  tuigsinn,  agus  gabhaidh  i 
leughadh  ann  an  tri  mionaidean,  ach  bu 
mhaith  leam  rud  no  dha  innseadh  mu 
Onesimus  nach  fhaighear  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh.  Bha.  e  'n  a  dhuine  seanchasail ; 
bhiodh  e  daonnan  ag  innseadh  do'  na  deis- 
ciobuil  eile  mu  Phol,  oir  bha  Pol  mar  dhia 
dha,  agus  bha  sin  air  a  chumail  air 
chuimhne  ann  am  beul-aithris  na  h-eaglais. 

Bha  Philemon  cho  nahaith  's  a  bha  fhios 
aig  Pol  a  bhitheadh  e,  oir  cha  'n  e  mhain 
gu'n  do  rinn  e  beatha  Onesimuis  an  uair  a 
chaidh  e  air  ais  ach  ghabh  e  ris,  cha  'n  ann 
mar  sheirbhiseach  ach  mar  bhrathair 
gradhach,  agus  thairg  e  a  shaorsa  a  thoirt 
da.  A  thuilleadh  air  sin  chuir  e  cumh- 
achan  air  na  braithrean  eile  anns  an  eaglais 
iad  a  bhi  cairdeil  ris  agus  a  dheanamh 
furasda  dba  a  cheann  a  thogail  am  measg 
dhaoine.  An  ceann  greis  thug  iad  dha 
cothrom  air  fianuis  a  thogail  anns  an  tigh- 
aoraidh  air  na  rinn  Dia  air  a  shon,  agus 
uidh  ar  n-uidh  thoisich  e  air  searmonach- 
adh.  Ach  a  thaobh  's  gu'n  robh  e  gun  sgoil, 
agus  gu'n  do  thoisich  deasbud  anns  an  eag- 
lais mu  phearsa  Chriosd,  b'  eiginn  da  stad. 

An  uair  a  chual  e  gu  robh  Pol  air  a 
ghlacadh  is  air  a  chur  am  priosan  anns  an 
Roimh,  agus  gu'n  robh  e  coltach  gu'm 
biodh  e  air  a  chur  gu  bas,  chuir  e  roimhe 
dol  'g  a  fhaicinn.  Bha  an  t-astar  fada 
agus  na  h-amannan  cunnartach,  oir  bha 
geur-leanmhuinn  uamhasach  air  eirigh  an 
aghaidh  nan  Criosduidhean  air  feadli  lom- 
paireachd  na  Roimhe,  ach  ged  bhiodh  an 
t-astar  na  b'  fhaide  agus  na  cunnartan  na 
bu  mhotha  cha  chumadh  sin  Onesimus  gun 
oidhii'p  a  dheanamh  gus  Pol  fhaicinn,  oir  a 
mach  o'n  t-Slanuighear  a  thug  maitheaiias 
dha  cha  robh  neach  eile  ann  d'an  robh 
uiread    gaoil    aige    's  a   bha    aige   air  Pol. 


Air.    9. 


1924. 


ANNS  A'  CHATHAIR. 


Bho  chionn  da  sheachduinn  tha  smith  nan 
daoine  air  tionndadh  gu  tuath ;  a  h-uile  latha 
tha  cho  mhaith  ri  da  cheud  carbad  a'  dol 
seachad  air  mo  dhorus,  agus  iad  uile  Ian  de 
dhaoine  a  tha  a'  teicheadh  as  a'  bhaile  mhor, 
ag  iarraidh  locshlaint  d'an  cuirp  agus  d'an 
cridheachan  air  an  duthaich.  M'an  stad  iad, 
ruigidh  cuid  dhiubh  a  nochd  fhathast  garbh- 
chriochan  Rois  is  Chataibh.  Tha  iad  uile  an 
toir  air  solas  air  chor-eigin,  ach  saoilidh  mi 
gur  h-e  an  solas  as  motha  a  tha  feitheamh 
orra  an  fhois  a  gheibh  an  cluasan,  agus  an  t- 
samhchair  bheannaichte  a  gheibh  iad  air  na 
monaidhean  am  measg  nam  beann. 

Bhiodh  am  baile  mor  maith  gu  leoir  mur 
bitheadh  a'  ghleadhraich  uamhasach  a  tha 
ann  ;  gleadhraich  a  bheir  bhuait  do  chiall  is 
do  chadal.  Am  measg  nam  miltean  fuaim  a 
chluinneas  mi  air  na  sraidean  gach  uair  a 
bheir  mi  sgriob  do  Ghlaschu  no  do  Dhuneid- 
eann  cha  'n  'eil  ach  aon  fhuaim  a  tha  caomh 
'n  am  chluasan,  cluig  nan  eaglaisean  a'  bual- 
adh  air  la  na  Sabaid. 

Sin  fuaim  cho  boidheach  's  a  chluinneai- 
air  thalamh,  co  dhiu  a  tha  thu  air  an  duthaich 
no  anns  a'  bhaile.  Ann  an  gliocas  an  Tigh- 
earna  chunnaic  e  iomchuidh  corp  mhic  an 
duine  a  dhealbh  air  a  leithid  de  dhoigh  's  gu 
bheile  uile  bhuadhan  a'  ehuirp,  cluasi,  is  suil, 
is  sron,  a'  tabhairt  solais  dha.  Bhiodh  e 
duilich  a  radh  c6  dhiubh  sin  a  tha  toirt 
duinn  am  barrachd  toilinntinn,  ach  ged  is  e 
sealladh  nan  sid  an  rud  mu  dheireadh  a  bu 
mhaith  leam  a  chall,  cha  'n  'eil  latha  de  mo 
bheatha  nach  'eil  mi  taingeil  do  Dhia  air  son 
nan  solasan  air  a  bheil  mi  a'  ruighinn  le  mo 
chluais. 

Ann  an  samhchair  na  duthcha  tha  fuaim- 
ean  sonruichte  ann  a  tha  caomh  do  anam 
duine,  guthan  baigheil  a  thogas  suas  do 
chridhe  an  uair  a  tha  do  chridhe  fo  le6n  ; 
dranndan  sheilleanan  anns  na  craobhan 
leamhain  no  anns  na  crainn  theile  ;  seideadh 
anail  gaoth  na  h-oidhche  anns  an  luachair  ; 
cronanaich  nam  meanbh-bhiasdagan  anns 
an  fheur ;  torman  nan  eas  agus  nan  allt ;  sin 
na  h-6rain  agus  na  h-6rgain  de  nach  fhasar 
sgith.  Ged  nach  bu  mhaith  leam  a  radh,  air 
mo  ghonadh  dubh,  gu  bheil  guth  binn  an 
ceann  an  rocais  is  baigheil  agus  is  aoibh- 
neach  guth  an  rocais  air  maduinn  earraich 
agus  is  e  a'  toiseachadh  air  neadachadh  ;  ach 
fada  fada  na's  baigheile  agus  moran  na's 
binne  tha  guth  a'  ghille-Bhride,  oir  bha  mi 
eolach   air-san    'n   am    oige,    agus    a    h-uile 


bliadhna  a  thig  e  anns  a'  Mhart  tha  e  a'  toirt 
thugam  fios  agus  beannachd  mo  dhaoine  as 
na  h-eileinean.  Cha  do  theoigh  mo  chridhe 
riamh  ri  coc-coc-coc  nan  coileach-fraoich ; 
ach  far  am  bi  an  coileach-fraoich  bidh  an 
fheadag,  agus  guileag  eile  as  milse  agus  as 
bronaiche  na  guileag  na  feadaig  cha  chualas 
riamh  air  monadh  no  machair.  Bidh  mi  air 
uairean  a'  saoilsinn  nach  'eil  coimeas  eile 
ann  do  dhurdan  a'  chalumain  anns  a'  choille- 
bheithe  ach  na  plasdan  sin  a  bhios  na  dotair- 
ean  a'  cur  air  feoil  dhaoine  an  uair  a  bhios 
am  feoil  a  lionnachadh.  Ged  bhiodh  tu  fo 
phramh,  agus  do  chridhe  trom,  tuitidh  coo- 
roo  iosal  a'  chalumain  air  do  chridhe  mar 
gu'm  biodh  plasd  o  laimh  an  Lighiche  ata 
shuas,  no  mar  gu'm  biodh  an  t-uisge  no  an 
druchd  air  fearann  tioram. 

Ach  ged  is  toigh  leam  eisdeachd  ri  gaoth 
is  uillt,  ri  feadagan  is  calumain,  is  fhearr 
leam  fuaim  a'  chluig  air  la  na  Sabaid  na  iad 
uile.  Sin  an  fhuaim  de  nach  fas  mi  sgith  gu 
brath  ;  guth  a  tha  labhairt  nithean  diomhair 
ri  m'  anam  a  h-uile  uair  a  chluinneas  mi  e. 
Cha  mhor  mhinist-earan  air  nach  bi  faitcheas 
an  uaii-  a  dh'  eireas  iad  a  labhairt  air  beul- 
aobh  sluaigh ;  bidh  crith  'n  an  guth  agus  'n 
an  gluinean.  Dh'  fhairich  mise  an  t-eagal- 
cridhe  sin  mar  a  dh'  fhairich  daoine  eile, 
ach  is  e  an  leigheas  as  fhearr  a  fhuair  mi 
riamh  air  a  shon,  eisdeachd  ris  a'  chlag  an 
uair  a  thoisicheas  e  air  bualadh.  Tha 
cuimhne  agam  air  amannan  anns  an  robh  mo 
chridhe  a  ploscartaich  agus  mi  dol  suas  gu 
tigh  an  Tighearna,  an  impis  leum  as  a  cho- 
chuU,  air  chor  agus  gu'm  bu  mhaith  leam 
teicheadh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  thoisich 
an  clag  agus  a  chuala  mo  chluas  an  fhuaim 
bhaigheil,  dh'  fhalbh  an  t-eagal  agus  a 
chrith,  is  chaidh  mi  an  ceann  na  seirbhis  le 
cridhe  foistinneach. 

Theagamh  gu'n  saoil  cuid  de  na  leughas 
an  duileag  so  nach  robh  gnothuch  air  bith  ai^ 
a'  chlag  ris  an  t-saorsa  cridhe  is  inntinn  a 
fhuair  mise,  agus  gur  h-ann  o  mhac-meamna 
na  h-inntinn  agam  fhein  a  thainig  iad.  Ach 
oiod  a  tha  ann  am  mac-meamna  na  h-inntinn 
ach  aon  de  na  buadhan  a  thug  Dia  do'n  duine 
a  chum  gu'm  biodh  e  comasach  dha  na  feart- 
an  leis  a  bheil  Dia  'g  a  chuartachadh  fhair- 
eachduinn,  agus  guth  Dhe  a  chluinntinn 
annta.  Cha  'n  'eil  Dia  air  a  chumhannach- 
adh  ri  meadhonan  sonruichte  ann  a  bhi  labh- 
airt ri  cridheachan  dhaoine ;  tha  fichead  is 
ceud  is  mile  teachdaire  aige  leis  a  bheil  e  a' 
labhairt  ri  clann  nan  daoine ;  ciirsa  a  fhreas- 
dail,    oibrichean   a'    chruthachaidh,    grian   is 


34 


gealach  is  reultan,  gaoth  is  ceo  is  sneachd ; 
— tha  iad  uile  'nan  teachdairean  agus  'n  an 
seirbhisich  dha,  a'  deanadh  'iarrtuis  agus  a' 
coimhlionadh  a  thoile.  Agus  c'ar  son  nach 
labhradh  e  ri  cridhe  duine  le  fuaim  a'  chluig  ! 
Nach  'eil  e  a  cheart  cho  coltach  gu'n  labh- 
radh Dia  ri  duine  le  clag  a  thighe  fein  's 
gu'n  do  labhair  e  ri  Daibhidh  le  fuaim- 
sivibhail  ann  am  mullach  chraobh  nan  smeur  ! 

Tha  clag  na  h-eaglais  a'  labhairt  riumsa 
ged  nach  bithinn  a'  dol  do'n  chubaid  idir. 
Tha  e  rud  beag  annasach  r'a  radh,  ach  is  e  a' 
chuid  as  fhearr  leam  de'n  t-seirbhis  gle 
bhitheanta,  na  coig  mionaidean  m'  an  toisich 
i.  Is  toigh  leam,  an  uair  annamh  a  gheibh 
mi  cothrom  air  dol  do'n  eaglais  gun  mi  fhein 
a  bhi  a'  searmonachadh,  is  toigh  leam  dol  a 
steach  trath ;  an  uair  a  thoisicheas  an  clag  air 
bualadh  tha  mo  chridhe  air  a  thoirt  fo 
chumhachd  an  t-saoghail  neo-fhaicsinnich 
ann  an  doigh  nach  bitheadh  e  air  a  thoirt 
ann,  ma  dh'  fhaoidte,  le  guth  duine.  Cha 
do  ghabh  mi  riamh  fadachd  gus  an  sguireadh 
an  clag  ;  is  ann  a  bha  e  daonnan  a'  sgur  ro 
luath,  oir  tha  e  a'  labhairt  sith  is  solas  ri  mo 
chridhe. 

Do  mhoran  dhaoine  cha  'n  'eil  an  clag  ag 
radh  dad  ach  ag  innseadh  na  h-uaire ;  gu 
Wieil  ant-am  aig  an  eaglais  dol  a  steach. 
Ach  do  dhaoine  eile  tha  e  a'  deanamh  tuill- 
eadh  is  sin;  tha  e  a'  cur  soluimteachd  air  an 
smuaintean  agus  air  am  faireachduinnean  ; 
'g  an  deasachadh  air  son  seirbhis  an  De 
naoimh  a  dh'ionnsuidh  a  bheil  e  'g  an 
gairm.  An  uair  a  bha  mi  ann  an  sgir- 
eachd  Urchadainn  bha  clag  na  h-eaglais  air  a 
bhualadh  a  h-uile  Sabaid  aig  ochd  uairean 
's  a'  mhaduinn,  agus  theagamh  gu  bheil  an 
cleachdadh  maith  sin  (oir  is  e  cleachdadh 
maith  a  bha  ann)  air  a  chumail  suas  fhathast 
ann  an  sgireachdan  eile.  Bha  bualadh  a' 
chluig  a'  toirt  na  h-uaire  ceart  do  na  h-uile 
teaghlach  a  bha  mar  astar  da  mhile  do'n 
eaglais ;  agus  bhithinn  a'  cluinntinn  gur 
e  sin  an  t-aobhar  gu  robh  e  air  a  bhualadh 
idir,  a  dh'  innseadh  dhaibh  gu  robh  an  t-am 
aca  an  cuisean  saoghalta  a  leigeil  seachad 
agus  deanamh  deas  gu  dol  suas  do'  thigh  an 
Tighearna.  Ach  air  leam  gu  robh  feum  eile 
ann  a  thuilleadh  air  sin;  bha  e  a'  naomhach- 
adh  na  Sabaid  do  na  daoine  a  bha  cleachdte 
r'a  chluinntinn  o'n  oige,  agus  a'  ceangal  an 
cridheachan  ri  nithean  naomh  is  maiseach ; 
bha  e  a'  toirt  cuiridh  dhaibh  dol  svias  le  h- 
aoibhneas  do  thigh  an  Tighearna  ann  an 
cuideachd  a  shluaigh. 

Tha  cluig  nan  eaglaisean  mar  tha  guthan 
dhaoine,  maith  is  dona;  cuid  dhiubh  anns 
a'  bheil  ceol  is  cuid  dhiubh  nach  fhearr  na 
seann  tromb  bhriste  no  na  ciombal  a  ni 
gleangarsaich.  Is  ann  de'n  t-seorsa  so  a 
tha  an  clag  a  tha  againn    ann    am    Blar  ;  a 


thaobh  ciiiil  no  binneis  bha  cho  mhaith 
dhuit  a  bhi  bualadh  maide-buntata  air  seana 
phoit,  ach  air  a  shon  sin  tha  a  ghuth  cruaidh 
critheannach,  caomh  'n  am  chluasan  fhein, 
agus  cha  'n  'eil  uair  a  chluinneas  mi  e  nach 
diiisg  e  smuaintean  'n  am  inntinn  is  fair- 
eachduinnean 'n  am  chridhe  nach  bu  mhaith 
leam  a  chall  air  son  an  t-saoghail. 

Ged  nach  h-abair  mi  gu  bheil  e  cho  dona 
droch  chlag  a  bhi  anns  an  tur  ri  droch  shear- 
monaiche  a  bhi  anns  a'  chubaid,  bu  mhaith 
leam  clag  ceart  fhaicinn  aig  a  h-uile  eaglais 
anns  an  diithaich,  agus  an  clag  a  bhi  air  a 
bhualadh  air  laithean  na  seachduinn  cho 
mhaith  ri  la  na  Sabaid.  An  diugh  cha  'n  'eil 
air  fhagail  ach  gle  bheag  de  chomharran 
follaiseach  gur  duthaich  Chriosduidh  a  tha 
ann  an  Albainn ;  gle  bheag  de  fhianuisean 
air  na  nithean  ata  neo-fhaicsinneach  agus 
siorruidh ;  tha  samhchair  na  Sabaid  air  a 
call  oir  tha  na  rathaidean  mora  cho  trang 
air  an  t-Sabaid  a  nis  's  a  tha  iad  Di-luain ; 
tha  aoradh-teaghlaich  air  a  leigeil  seachad 
leis  a'  mhor-chuideachd,  agus  eadhon  altach- 
adh  roimh  bhiadh — an  fhianuis  mu  dheir- 
eadh  a  gheibhear  ann  an  teaghlaichean  nach 
ana-creidmhich  iad — ,  tha  sin  fhein  an 
diugh  air  dol  as  an  fhasan,  air  chor  agus  gu 
bheil  e  comasach  do  dhaoine  luighe  agus 
eiridh  o  mhoch  Di-luain  gu  anmoch  Di-sath- 
uirne  gun  aon  chleachdadh  crabhach  fhaicinn 
no  aon  ghuth  a  chluinntinn  a  chuireas  'n  an 
cuimhne  gu  bheil  Dia  air  neamh  no  gu  bheil 
saoghal  eile  ann.  Theagamh  nach  biodh  anns 
a'  chlag  ach  guth  a'  glaodhach  anns  an  fhas- 
ach,  ged  bhiodh  e  air  a  bhualadh,  ach  co 
dhiu  cha  ruigeadh  e  le  daoine  na  nithean 
anns  an  do  thogadh  iad  a  dhichuimhneach- 
adh  gu  buileach. 

Ach  ged  nach  biodh  ann  do  dhaoine  eile 
ach  fuaim  nach  duisgeadh  barrachd  ionn- 
drainn  na'n  cridhe  na  diidach  bata  no  fideag 
oillteil  nan  caraichean,  labhradh  e  ri  fior 
shluagh  an  Tighearna,  na  daoine  a  bhios  ag 
urnuigh,  agus  a'  togail  suas  an  cridheachan 
ri  Dia  fichead  uair  's  an  latha.  Agus  sin  na 
daoine  a  thao  cumail  beo  na  diadhaidheachd 
anrbs  an  t-saoghal. 

Ciod  a'  chrioch  a  bhios  aig  a'  chabhaig 
uamhasach  a  tha  air  tighinn  air  daoine  an 
diugh  mar  ghalair  1  Aig  Ni-maith  a  tha 
brath,  ach  bidh  e  air  uairean  a'  tighinn  a 
steach  orm  nach  bi  an  uine  fada  gus  an  tiiit 
saoghal-nan-caraichean  as  a  sheasamh  le  cion 
analach,  agus  an  sin  thig  an  latha  a  chunn- 
aic  Pol  fada  air  falbh,  an  la  anns  an  toir  na 
naoimh  breith.  Agus  an  uair  a  chuireai'  na 
naoimh  air  cathair-breitheanais.  sealbhaich- 
idh  na  daoine  macanta  an  talamh  mar  oigh- 
reachd.  Tha  an  talamh  an  diugh,  agus  gu 
sonruichte  na  rathaidean  mora,  aig  luchd 
nan   caraichean    dhaibh   fein,    air   chor   agus 


35 


nach  'eil  a  blii  beo  aig  daoine  ciallach  leis  an 
fhearr  suim  a  thoirt  do  chlag  na  foise  na  do 
fhideag  na  cabhaig,  ach  ged  nach  'eil 
dochas  air  bith  agam-sa  gu'm  faic  mi  an  latha 
anns  am  bi  iarunn  is  prais  nan  caraichean 
air  an  leughadh  gus  cluig  a  dheanamh  do  na 
li-eaglaisean,  thig  an  la  sin  gun  teagamh, 
agus  an  sin  bidh  T edruinteachd  do^n  t-sluagh 
air  a  sgriobhadh  air  na  rathaidean,  agus 
Naomhachd  do' 11  Tiyhearna  air  ballachan 
nan  eaglaisean. 


CRIOSD    AGUS    NA    LEANABAN. 


Agus  thug  iad  leanahan  d'a  ionnsuidh,  a 
chum  gum  heanadh  e  riu;  agios  chronaich 
na  deisciohuil  iad.  Ach  an  uair  a  chunnaic 
losa  sin,  hha  e  ro  dhiomhach,  agus  thuhhairt 
e  riu,  Leigihh  do  na  leanahan  teachd  am 
ionnsuidh ;  na  hacaihh  iad;  oir  is  ann  de  '«- 
leithidean  sin  a  tha  rioghachd  Dhe.  Marc 
X.  13-14. 

Na  'n  cuirinn  a'  cheist  air  luchd-leugh- 
aidh  na  duilleig  so-,  Co  a  thug  na  leanaban 
gu  losa,  tha  mi  Ian  chinnteach  gu'n  abradh 
a'  mhor-chuideachd  dhiubh,  Thug,  am 
mathraichean.  Cha  chuala  mi  duine  riamh 
ag  radh  gu  robh  lamh  aig  an  aithrichean 
ann,  oir  cha  'n  'eil  sinn  cleachdte  anns  an 
duthaich  so  ri  bhi  faicinn  aithrichean  na 
cloinne  a'  gabhail  suim  'n  an  teagasg.  Ach 
ma  leughas  tu  an  naigheachd  so  gu  curam- 
ach,  mar  a  tha  na  tri  soisgeulaichean  'g  a 
h-innseadh  dhuinn  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh,  chi  thu  gu  bheil  iad  uile  ag  uisneach 
adh  fhacal  (tha  so  na's  soilleire  anns  a' 
Ghreigis  na  tha  e  anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig) 
a  tha  a'  leigeil  fhaicinn  gu  robh  aithrichean 
cho  mhaith  ri  mathraichean  am  measg  na 
feadhnach  a  thug  na  leanaban  gu  losa. 

Anns  an  t-Seann  Tiomnadh  bha  e  air 
aithneadh  gu  sonruichte  do  na  h-aithrichean 
an  clann  a  theagasg  ann  an  eolas  an  Lagha, 
ach  tha  e  coltach  gu'm  biodh  aithrichean 
ludhach  a'  deanamh  mar  a  bhios  aithrichean 
Criosduidh  a'  deanamh,  a'  fagail  an  dleas- 
danais  sin  aig  na  mathraichean.  Bidh  e  air 
uairean  a'  tighinn  a  steach  air  m'  inntinn 
gu  bheil  an  t-am  aig  an  eaglais  atharrachadh 
a  dheanamh  air  seirbhis  a'  Bhaistidh  agus 
leigeil  le  mathraichean  na  cloinne  na  boid- 
ean  a  ghabhail  orra  fhein.  Anns  an  eaglais 
Shasunnaich  cha  'n  'eil  aite  no  seasamh  idir 
air  a  thoirt  do  mhathair  an  leinibh  ;  tha  na 
boidean  air  an  cur  air  oideachan  is  daoine 
nach  buin  do'n  leanabh ;  daoine,  ma  dh' 
fhaoidte,  a  tha  coma  co  dhiu  a  bhios  e  air 
a  thogail  ann  an  eolas  a'   Bhiobuill  no  ann 


an  eolas  a'  Chorain.  Anns  an  t-seirbhis 
Bhaistidh  againn  fhein  cha  'n  'eil  mathair 
an  leinibh  air  a  cumail  air  chul  nam  bord 
cho  buileach  's  a  tha  i  ^nns  an  eaglais 
Shasunnaich,  ach  air  a  shon  sin,  cha  'n  'eil 
an  t-aite  aice  a  bu  choir  a  bhi  aice.  Ged  is 
e  athair  an  leinibh  a  bhios  'g  a  chumail  ri 
baisteadh,  agus  a'  gabhail  nam  boidean  air 
fhein,  tha  fhios  aige  'n  a  chridhe,  agus  tha 
fhios  aig  a'  mhinisteir,  agus  aig  a'  choimh 
thional  uile,  nach  biodh  na  boidean  idir  air 
an  cumail  mur  b'e  gu  bheil  coguis  as  fhearr 
aig  a  ndmaoi  na  tha  tige-san. 

Tha  e  duilich  a  radh  c'  ar  son  a  bha  na 
deisciobuil  cho  crosda  ris  na  parantan  an 
uair  a  thug  iad  an  clann  gu  losa.  Their 
cuid  gu'n  robh  fhios  aca  gu'n  robh  losa 
sgith,  agus  nach  robh  iad  air  son  dragh  a 
chur  air.  Faodaidh  e  bhith  gu'm  b'e  sin  an 
t-aobhar,  ach  faodaidh  e  bhith  cuideachd 
nach  ann  air  comhfhuitachd  losa  a  bha  iad  a' 
smuaineachadh  idir  ach  air  an  Solas  fhein, 
agus  gu'n  robh  iad  air  am  farranachadh  a 
chionn  gu'n  deachaidh  stad  a  chur  air  an 
t-seanchas  a  bha  losa  a'  deanamh  riu  m'an 
d'  thainig  a'  chlann.  Bha  e  a'  bruidhinn 
riu  mu  phosadh,  agus  theagamh  gu'n  robh 
an  seanchas  sin  a'  cordadh  riu  cho  maith  's 
nach  duraichdeadh  iad  facal  dheth  a  chall, 
agus  gu'n  robh  iad  air  an  cur  thuige  'n  an 
nadur  an  uair  a  chuir  a'  chlann  stad  air. 
Ach  ma  bha  fearg  orra-san  cha  robh  fearg 
air  an  t-Slanuighear  chaomh  fein ;  "leigibh 
leis  na  leanaban,"  ars'  esan,  "teachd  am 
iorPnsuidh,  agus  na  bacaibh  iad."  B'  esan 
caraid  nam  paisdean  bho  thus,  agus  bha  gaol 
aig  na  paisdean  air,  agus  chunnaic  iad  ann 
rud  nach  fhaca  riamh  na  daoine  a  bha  'g  an 
cunntas  fein  glic  is  Eaguaidh. 

An  uair  a  bha  Criosd  air  thalamh  bha  a 
naimhdean  na  bu  lionmhoire  na  chairdean  ; 
ma  bha  teangaidhean  'g  a  bheannachadh  bha 
teangaidhean  eile  'g  a  mhallachadh  ;  ach  am 
measg  naimhdean  ;isi  luchd-mallachaidh  an 
t-Slanuighir  ann  an  laithean  fheola  cha  robh 
aon  bhoirionnach,  agus  cha  mho  a  tha  iom- 
radh  air  gu  'n  do  rinn  clann  magadh  air 
mar  a  bhiodh  iad  a'  deanamh,  air  uairean, 
air  faidhean  is  daoine  naomh.  Is  ann  a 
bhioidh  iad  a'  bualadh  am  basan  le  gair- 
deachas  r'a  theachd. 

Ann  an  suilean  dhaoine  tha  na  nithean  a 
chunntas  Dia  mor  air  an  cunntas  beag,  agus 
na  nithean  a  chunntas  esan  beag  air  an 
cunntas  mor.  Co  am  fear-sgriobhaidh,  ag 
innseadh  eachdraidh  nan  amannan  ud,  a 
mheasadh  gu'm  b'  fhiach  dha  iomradh  a 
dheanamh  'n  a  leabhar  air  an  rud  a  thachair 
an  la  ud  an  uair  a  thugadh  cuideachd  bheag 
de  chloinn  an  lathair  losa?  Rud  beag  suarr- 
ach  nach  b'  airidh  a  bhi  air  a  chur  sios  air 
an  aon  duilleig  ri  euchdan  shaighdearan,  is 


36 


connsachadh  luchd-riaghlaidh,  is  dol-a-mach 
lighrean  !  Ach  air  a  shon  sin,  sud  an  rud  a 
bha  mor  is  buan  is  buadhmhor,  agus  cha  b'e 
na  gnothuichean  air  an  do  chosg  an  luchd- 
sgriobhaidh  an  iiine,  oir  rinn  na  briathran  a 
labhair  losa  mu'n  chloinn  tuilleadh  atharr- 
aohaidh  air  an  t-saoghal  na  rinn  cogaidhean 
Cheasair. 

Cha  'n  'eil  e  idir  iongantach  gu'm  biodh 
cridhe  an  t-Slanuighir  an  ceangal  ris  a' 
chloinn,  oir  dh'  fhuiling  cuid  dhiubh  an 
crann-ceusaidh  air  a  shon-san  m' 
an  d'  fhuiling  esan  air  an  son-san ; 
na  paisdean  neo-chiontach  a  mharbh 
Herod.  Faodar  a  bhi  cinnteach  gu'n  d' 
innis  Muire  a  mhathair  an  naigheachd 
bhronach  so  dha  fichead  is  fichead  uair,  anns 
na  feasgair  agus  e  aice  air  a  gliiin.  Agus 
bho  'n  cheud  la  a  chual  e  an  naigheachd  sin, 
agus  a  chual  e  'n  a  chadal  gaoir  nam  ban 
agus  iad  a'  gul  air  son  nam  paisdean  a  bha 
air  an  cur  gu  bas  'n  a  aite-san,  bu  duth  gu'm 
biodh  taobh  bhlath  aig  losa  ri  clann  an  t- 
saoghail,  agus  gu'n  eireadh  an  smuain  'n  a 
chridhe  gu'n  tagradh  e  an  cuis  gu  brath. 

Tha  gu  leoir  de  dhaoine  anns  an  diithaich 
an  diugh  a'  feuchainn  ris  a'  chloinn  a  thoirt 
gu  losa,  ministearan,  is  maighstirean-sgoile, 
is  luchd-teagaisg  anns  a'  sgoil-Shabaid  ;  ach 
buinidh  an  obair  so  do  na  parantan  gu  son- 
ruichte,  agus  mur  dean  iadsan  an  dleasdanas 
cha  bhi  an  obair  ach  air  a  leth-dheanamh. 
Do  pharantan  aig  a  bheil  gaol  air  an  cloinn 
cha  bu  choir  gu'm  biodh  e  'n  a  uallach 
dhaibh  feuchainn  ri  cridheachan  an  cloinne 
a  chosnadh  do  Dliia  ;  cha  bu  choir  daibh  a 
bhi  riaraichte  no  fois  a  ghabhail  gus  am  faic 
iad  an  clann  air  an  toirt  a  steach  d'a  riogh- 
achd.  Sgriobh  ministear  Gaidhealach  uair- 
eigin  gu  ministear  eile  mar  so,  "Tha 
naigheachd  mhaith  agam  dhuit  air  an  t- 
seachduinn  so,  agus  tha  mi  a  nis  cho  sona  ri 
duine  air  thalamh,  oir  chunnaic  mi  an  t-aon 
mu  dheireadh  d'  am  theaghlach  air  iomp- 
achadh."  Naigheachd  mhor  is  naigheachd 
mhaith,  da-rireadh  ;  ach  ged  is  bronach  an 
rud  e  r'a  radh,  gidheadh,  tha  e  fior,  gu  bheil 
moran  de  pharantan  cho  saoghalta  's  gu'm 
b'  fhearr  leo  a  chluinntinn  gu'n  d'  fhuair 
am  mac  posta  maith  anns  an  tigh-chuspainn 
agus  tuarasdal  mor  na  gu'n  d'  f  huair  e 
saoibhreas  air  neamh. 

Gabhaidh  clann  a  chosnadh  do  Chriosd 
cho  mhaith  ris  na  daoine  mora.  'N  an  doigh 
leanabail  laghach  fhein  tbeid  aca  air  gaol  a 
thoirt  dha  na's  cinntiche  na  daoine  a  tha  an 
cridheachan  air  an  cruadhachadh  le  peacadh ; 
theid  aca  air  an  cridheachan  a  thoirt  dha 
mar  a  tha  iad  'g  an  toirt  d'  am  mathraich- 
ean  cheana.  Agus  nach  e  sin  an  steidh 
cheart  air  son  na  diadhaidheachd,  araon 
anns  an  6g  agus  anns  an  aosda,  gradh  a  bhi 


j  aca  do'n  t-Slanuighear  !  Gun  teagamh  tha 
i  moran  anns  an  diadhaidheachd  nach  h- 
urrainn  daibh  fhathast  a  thuigsinn,  ach  air 
a  shon  sin,  rud  air  bith  nach  tuig  clann  faod- 
aidh  tu  a  bhi  cinnteach  nach  e  sin  cridhe  na 
diadhaidheachd.  Cha  'n  'eil  an  deasbud 
agus  an  teangaireachd  agus  an  reusanachadh 
mu  phuingean  creidimh  a  ohordas  ri  daoine 
mora  ach  gle  bhitheanta  ''g  an  toirt  na's 
fhaide  agus  na's  fhaide  air  falbh  bho 
Chriosd.  Cha  'n  'eil  iiigh  air  bith  aig  a' 
chloinn  anns  na  nithean  sin,  is  fasaidh  iad 
sgith  dhiubh  gle  luath  ma  thoisicheas  tu  air 
bruidhinn  riu  umpa  ;  ach  tog  suas  losa  mu 
choinneamh  an  sul,  mar  a  bha  e  ann  an  laith- 
ean  fheola,  agus  cha  'n  fhas  iad  sgith  dheth- 
san.  Chi  iad  maise  a  naomhachd  a  cheart 
cho  mhaith  ris  na  daoine  mora,  agus  gabh- 
aidh iad  gaol  air. 

Ma  their  duine  air  bith  ruibhse,  aithrich- 
ean  agus  a  mhathraichean  a  leughas  an 
duilleig  so,  nach  h-urrainn  clann  6g  rogh- 
ainn  a  dheanamh,  no  gnothuch  anama  a 
dheanamh  ri  Dia  ann  an  da-rireadh,  na 
creidibh  e.  Thug  Iain  Knox  comanachadh 
do  bhalach  nach  robh  ach  da  bhliadhna 
dheug.  Cha  robh  Polycarp,  duine  naomh  a 
bha  'na  Easbuig  ann  an  Smirna,  ach  naoi 
bliadhna  'n  uair  a  rinn  e  svias  inntinn  Criosd 
a  leantuinn.  Ghleidh  e  na  boidean  a  dh' 
ioc  e  do  Dhia  'n  a  bhalach  gu  dileas  gus  an 
la  anns  an  d'  fhuiling  e  bas  air  sgatli  a 
chreidimh.  An  uair  a  thairgeadh  a  shaorsa 
dha  na'm  mallaicheadh  e  ainm  naomh  an  t- 
Slanuighir,  is  e  so  a  thubhairt  e,  "Tha  se 
agus  ceithir  fichead  bliadhna  bho  thoisioh  mi 
air  seirbhis  a  dheanamh  dha,  agus  riamh  cha 
do  threig  e  mi  ;  c'  ar  son  a  mhallaichinn 
ainm?"  Bha  Matthew  Henry,  seann  sgoil- 
ear  a  mhinich  na  Sgriobturan,  air  iompach- 
adh  an  uair  a  bha  e  deich  blia<lhna  ;  bha 
Isaac  Watts,  an  diadhair  agus  am  bard 
naomh  a  sgriobh  uiread  de  na  laoidhean  a 
bhios  sinn  a'  seinn,  air  iompachadh  aig  naoi. 
Bha  na  balaich  sin  gun  teagamh  'n  am  bal- 
aich  shonruichte ;  aig  deich  bliadhna  bha  iad 
air  thoiseach  air  balaich  a  bha  coig  bliadhna 
deug,  ann  an  eolas  agus  ann  an  cumhachd 
inntinn.  Bho  chionn  ghoirid  bha  cuideachd 
de  mhinistearan  cruinn,  agus  bha  a'  cheist 
so  air  a  togail  'n  am  measg,  Ciod  an  aois 
aig  an  fhasa  do'n  eaglais  an  oigridh  a  chos- 
nadh do  Chriosd?  Bha  coig  duine  fichead  a 
lathair,  agus  anns  an  t-seanchas  a  bha  eatorra 
mu'n  chilis  so,  thainig  so  a  mach,  gu'n  do 
rinn  ceithir  air  fhichead  dhiubh  suas  an 
inntinn  air  sion  na  ministrealachd  m'  an 
deachaidh  iad  seachad  air  ceithir  bliadhna 
deug.  Nach  'eil  sin  a'  teagasg  do  phar- 
antan, cha  'n  e  mhain  siol  inaith  na  riogh- 
achd  a  chur  ach  fiughair  a  bhi  aca  gu'm  faic 
iad  a  thoradh  trath  'n  an  cloinn. 


Air.    10. 


1924. 


ANNS  A  CHATHAIR. 


An  uair  mu  dheireadh  a  bha  mi  ann  an 
Cille-Sgumain  chuir  mi  seachad  feasgar  fada 
samhraidh  'n  am  shuidhe  air  cloich  anns  a' 
chladh,  a'  seanchas  ri  mo  sheana  charaid, 
Calum  Domhnullach,  beadall  na  h-eaglais 
is  fear-cladhach  nan  uaighean.  Tha  an 
eaglais  'n  a  seasamh  ann  am  meadhon  a' 
chlaidh,  agus  tha  barrachd  de  mhuinntir 
Chille-Sgumain  'n  an  sineadh  an  taobh-a- 
stigh  de'n  gharradh  na  tha  an  taobh-a-muigh 
dheth.  Sin  an  t-aobhar  gur  toigh  leam  dol 
a  steach  ann  air  laithean  na  seachduin  cho 
mhaith  ri  la  na  Sabaid,  a  mheomhrachadh 
am  measg  nan  leacan,  agus  a  chuimhneach- 
adh  air  na  daoine  a  b'  aithne  dhomh  anns 
na  laithean  a  dh'  fhalbh. 

Eadar  glanadh  na  h-eaglais  is  obair  a' 
chlaidh  tha  Calum  Domhnullach  a'  cur 
seachad  a'  chuid  is  mo  d'a  bheatha  anns  a' 
chladh,  air  chor  agus  gu'm  bi  sinn  &'  tach- 
airt  air  a  cheile  gle  bhitheanta,  agus  a  thaobh 
's  gu  bheil  e  a  nis  'n  a  sheann  duine  (tha  e 
ochd  is  da  fhichead  bliadhna  'n  a  dhreuchd) 
agus  gur  h-aithne  dha  muinntir  Chille- 
Sgumain  agus  an  sinnsearachd  uile  na's 
fhearr  na's  aithne  do  dhuine  eile  a  tha  nis 
beo,  is  toigh  leam  dol  'n  a  sheanchas  a  h-uile 
uair  a  bhios  cothro-m  agam.  A  thuilleadh 
air  sin,  tha  e  'n  a  dhuine  turail  geur,  neo- 
eisiomaileach  'n  a  dhoighean  agus  'n  a 
bheachdan,  agus  tha  sin  aige,  beachdan  dha 
fhein.  Cha  'n  'eil  ann  an  seanchas  ri  duine 
aig  nach  'eil  smuaintean  is  beachdan  dha 
fhein  ach  rud  gun  bhlas,  mar  gu'm  biodh 
ugh  gun  salann.  Cha  'n  ann  mar  sin  a  tha 
seanchas  Chaluim ;  co  dhiu  a  tha  no  nach  'eil 
a  chainnt  a  ghnath  ann  an  gras  tha  i  daonnan 
air  a  deanamh  blasda  le  salann,  salann  na 
geireid  nadurra  agus  a'  ghliocais  shaoghalta. 
Agus  air  uairean  cuideachd  gheibhear  'n  a 
sheanchas  tomhas  de'n  ghliocas  ata  o  shuas, 
oir  is  duine  maith  Calum,  ged  nach  toigh 
leis  muinntir  na  h-eaglais  Shaoir,  no  boir- 
ionnaich  a  bhios  a'  searmonachadh,  no 
braithrean  usaideach  a  bhios  a'  foighneachd 
de  'n  h-uile  duine  a  thachras  orra  am  bheil 
iad  reidh  ri  Dia,  no  am  bheil  iad  a'  cuimh- 
neachadh  air  a'  bhas.  "An  do  rinn  sibhse 
reite  ri  Dia?"  thuirt  fear  dhiubh  so  ri 
Calum,  agus  e  trang  a'  fosgladh  uaighe  air 
son  tiodhlacaidh ;  "  bithibh  cuimhneach,  a 
dhuine,  air  a'  bhas."  Bha  Calum  'n  a  fhallus 
agus  gun  an  uachdar  an  talaim'h  dheth  ach 
an  aeann  agus  na  guaillean,  ach  stad  e  agus 
chuir  6  an  spaid  fo  uchd   agus  fhreagair  e 


mar  so  (car  frionasach)  "  Cha  do  rinn  mise 
reite  ri  Dia,  ach  rinn  Dia  reite  riumsa,  agus 
a  thaobh  a'  bhais  chuir  mi  tuilleadh  's  a 
choir  de  dhaoine  eile  fo'n  iiir  gu'n  dichuimh- 
nichinn  mo  chrioch  dheireannach." 

Bidh  mise  agus  Calum  a'  dol  thairis  air 
iomadh  rud  an  uair  a  thachras  sinn  air  a 
cheile,  iomadh  rud  nach  innis  sinn  do  dhuine 
eile,  ach  bidh  sinn  cuideachd  a'  seanchas  mu 
nithean  a  bhuineas  d'ar  gairm  shonruichte 
anns  an  eaglais,  agus  bu  mhaith  leam  cuid 
de  sheanchas  Chaluim  a  chur  eios  air  an 
duilleig  so  m'an  teid  e  as  mo  chuimhne. 

An  la  ud  a  bha  sinn  'n  ar  suidhe  anns  a' 
chladh  bha  e  ag  innseadh  dhomh  mu  na  h- 
atharraichean  a  thainig  air  an  eaglais  agus 
air  an  t-saoghal  bho  na  bu  chuimhne  leis. 
"  Tha  tri  fichead  bliadhna,"  ars'  esan,  "bho 
thoisich  mi  air  dol  do'n  eaglais  an  toiseach ; 
bho  chionn  dliith  air  leth-cheud  bliadhna  tha 
mi  innte  air  da  cheann  an  latha,  agus  cha  'n 
'eil  duine  eile  ann  an  Cille-Sgumain  a  chuala 
uiread  shearmon  rium.  Shuidh  mi  fo  choig 
ministearan  anns  an  eaglais  so;  cha  'n  'eil 
aon  de  na  foirbhich  a  lathair  a  nis  a  bha 
innte  an  uair  a  chuir  an  Seisein  mi  anns 
an  dreuchd  a  tha  agam.  Ri  linn  Mhaighstir 
Eachainn  bhiodh  an  coimhthional  a'  seasamh 
aig  an  urnuigh,  a'  suidhe  aig  an  t-seinn, 
agus  cha  robh  dad  air  a  sheinn  ach  sailm 
Dhaibhidh.  Tha  cuimhne  agam  gu  maith 
air  an  la  a  thog  Iain  Mac  Coinnich  leis  am 
Biobull  agus  a  cheathrar  cloinne  agus  a  chaidh 
e  a  mach  as  an  eaglais,  a'  glaodhach,  Mo 
naire,  vfio  naire,  Ichahod,  Ichabod,  a  chionn 
gu'n  d'  thug  am  ministear  laoidh  dhuinn  'g 
a  seinn.  Ach  an  diugh  tha  organ  anns  an 
eaglais,  agus  c6  a  tha  'g  a  chluich  ach  ogha 
Iain,  caileag  laghach  ruadh  a  tha  ceart  coma 
CO  dhiu  a  bheirear  dhi  Daibhidh  no  Sankey. 
Ach  tha  mi  an  dull  gu'n  d'  thainig  tuilleadh 
atharrachaidh  air  a'  chubaid  fhein  na 
thainig  air  a'  che61.  Ri  linn  Mhaighstir 
Eachainn  bhitheamaid  a'  faotainn  searmon 
mor  fada  mu  ifreann  uair  's  an  raidhe,  a 
thuilleadh  air  gu'm  biodh  e  a'  toirt  an 
dlighe  do'n  Diabhol  agus  do  ifreann  a  h-uile 
Sabaid  ann  an  comh-dhiinadh  an  t-searmoin, 
ach  an  diugh  cho  chluinnear  iomradh  air  an 
Diabhol  bho  cheann  gu  oeann  de'n  bhliadhna. 
Air  son  na  chuala  sinne  riamh  bho  'n  duine 
ghrinn  a  tha  againn  ann  an  eaglais  Chille- 
Sgumain  an  diugh,  an  t-Urr.  Nial  Mac 
Pharlain,  B.D.,  cha  bhiodh  fhios  againn  gu 
robh  leithid  an  Diabhoil  ann.  Tha  deich 
bliadhna  bho  nach  cuala  sinn  seai'mon  mu 
ifreann  ach  aon  fhear  fiadhaich  a  fhuair  sinn 


38 


bho  mhinisteir  a  thainig  a  Lebdhas,  o'n 
cheann-teagaisg,  Oir  dh'  ullaicheadh  Tophet  o 
shean  ;  rinn  e  domhain  e,  rinn  e  farsuinn  e ; 
cruach  theine  agus  moran  connaidh ;  tha 
anail  an  Tighearna  mar  shruth  pronnaisc 
V  a  fhadadh.  Obh  !  Obh  !  b'e  sin  an  sear- 
mon;  chuir  e  crith  air  na  cridheachan  aig 
daoine;  chrath  e  muinntir  Chille-Sgumain 
oscionn  an  t-sluichd  gus  an  do  thoisich  na 
boirionnaich  air  ochanaich  agus  a'  ohlann 
air  caoineadh,  agus  an  do  thuit  Ealasaid 
Bheag  ann  am  paiseanadh,  ged  nach  robh 
duine  eile  anns  an  eaglais  a  bu  lugha  a  thoill 
an  t-uamhas  a  bha  an  duine  a'  maoidheadh 
na  Ealasaid." 

"Air  uairean,"  arsa  Calum,  "an  uair  a 
bhios  mi  ag  obair  anns  a  chladh  so,  bidh  mi 
a'  cnuasachadh  learn  fhein  air  na  nithean 
sin,  ach  mar  is  mo  a  smuainicheas  mi  orra  is 
ann  is  mo  a  tha  diomhaireachd  an  t-saoghail 
eile  a'  fas,  agus  an  deacaireachd  a  tha  comh- 
cheangailte  ri  fichead  is  ceud  rud  a  tha 
sgriobhta  anns  a'  Bhiobull.  Tha  aon  ni  a 
thug  mi  fainear  a  bhios  a'  cur  ionghnaidh 
orm,  gur  h-e  na  daoine  as  fhearr  as  lugha  a 
bhios  'g  an  cur  fhein  mu'n  cuairt  mu  Shatan 
no  mu  ifreann,  agus  gur  h-e  na  daoine  as 
miosa  a  bhios  a'  gabhail  feirge  ma  chluinn- 
eas  iad  duine  eile  ag  radh  nach  'eil  teine 
siorruidh  a'  feitheamh  air  peacaich.  An 
uair  a  bha  am  ministear  againn  fhein  aig 
an  t-Seanadh  chuir  e  'n  a  aite  gille  6g  a  bha 
air  ur  thighinn-a-mach  as  a'  Chollaiste.  Thug 
e  dhuinn  searmon  pongail  mu'n  dearbhadh 
a  chaidh  a  chur  air  losa  anns  an  fhasach, 
ach  anns  an  dol  seachad  thuirt  e  nach  robh 
e  idir  coltach  gu'n  robh  an  seanchas  ud 
eadar  losa  agus  an  Diabhol  gu  litireil  no  gu 
pearsonta,  agus  nach  robh  ann  ach  seorsa  de 
chosmhalachd  air  a  ghleachd  spioradail  a 
chaidh  air  aghaidh  aig  an  am  ann  an  anam 
losa.  Thuirt  e  cuideachd  nach  robh  e  fur- 
asda  do  dhuine  air  bith  sniuaintean  is  fair- 
eachduinnean,  is  fiosrachadh  diomhair  a 
chridhe,  a  chur  ann  an  cainnt,  agus  gu'm 
b'e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  uiread  de'n 
Bhiobull  na's  fhire  anns  an  spiorad  na  tha 
e  anns  an  litir,  fior  ann  an  da-rireadh  ged  a 
dh'  fhaodas  e  bhith  nach  do  thachair  an  rud 
riamh,  direach  mar  a  tha  Tunis  a'  Chriosd- 
uidh  agus  an  Cogadh  Na,omh  aig  Iain 
Bunian  fior,  ged  nach  'eil  anns  na  naigh- 
eachdan  sin  ach  samhlaidhean  is  cosmhal- 
achdan  a  rinn  Iain  Bunian  fhein  suas.  Cha 
do  shaoil  mise  gu'n  d'  thuirt  an  duine  dad 
cearr,  ach  a  mhic-chridhe,  m'an  deachaidh 
a'  ghrian  fodha  Di-luain  bha  e  air  feadh  na 
sgireachd  uile  nach  robh  am  ministear  6g  a' 
creidsinn  anns  a'  Bhiobull  no  ann  an  Satan, 
agus  rud  a  bu  neonaiche  air  fad,  an  uair 
a    thoisich    deasbud    is     connsachadh     mu'n 


ghnothuch  anns  a'  cheardaich,  b'e  na  daoine 
a  bu  diadhaidhe  agus  a  b'  eolaiche  air  a' 
Bhiobull  a  bha  seasamh  air  taobh  a'  mhinis- 
teir, agus  na  daoine  nach  fhacas  anns  an 
eaglais  bho  chionn  fichead  bliadhna,  agus  a 
bha  na  b'  eolaiche  air  orain  Dhonnacha 
Bhain  na  bha  iad  air  sailm  Dhaibhidh  a  bha 
'n  a  aghaidh.  Tha  cuimhne  agad  air  Each- 
ann  Mor  a'  Charnain ;  cha  'n  fhaca  mise  e  an 
taobh-a-stigh  de  bhallachan  na  h-eaglais  so 
o'n  la  a  bha  an  Siorram  Brand  agus  Com- 
mission nan  Croitearan  cruinn  innte,  agus 
tha  uine  mhaith  bhuaith  sin.  Ach  an  uair 
a  dh'  innis  iad  dha  gu  robh  am  ministear 
a  bha  anns  an  eaglais  air  an  t-Sabaid  ag 
radh  nach  robh  Diabhol  idir  ann,  chaidh 
Eachann  air  druim  dearg  a'  chuthaich,  agus 
bha  e  air  son  an  sluagh  a  chruinneachadh 
gus  dol  air  an  ceann  mar  a  bhiodh  e  a' 
deanamh  ann  an  am  na  Land  League; 
"  theid  sinn,"  ars'  esan,  "agus  tearraidh 
sinn  e."  Bidh  e  air  uairean  a'  cur  iongh- 
naidh ormsa,  a  mhinisteir,  ciod  a  dh'  eireas 
do  leithid  Eachainn  anns  an  ath  shaoghal. 
Ann  an  aon  seadh,  cha  n'e  droch  dhuine  idir 
a  tha  ann  an  Eachann  bochd  ;  their  a  choim- 
hearsnaich  riut  nach  'eil  coimhearsnach  eile 
anns  an  diithaich  is  fhearr  na  e;  gu  bheil  e 
iochdmhor  is  coibhneil,  agus  ann  an  am 
trioblaid  cho  bog  ri  paisde,  fada  na's  iochd- 
mhoire  agus  na's  coibhneile  na  Alasdair  mac 
Eoghain,  am  foirbheach  a  tha  r'a  thaobh. 
Ach  ann  an  seadh  eile,  tha  Eachann  cho  fada 
air  falbh  o  spiorad  na  diadhaidheachd  agus 
spiorad  an  Tiomnaidh  Nuaidh  ris  na  cinn- 
ich  a  tha  ag  aoradh  do  iodhalan.  Cha  'n 
'eil  inntinn  an  aoraidh  ann  an  Eachann  gu 
nadurra,  agus  na  bhios  e  a'  deanamh  de 
aoradh  is  ann  do  iodhalan  agus  do  bhochdain 
a  bhios  e  'g  a  dheanamh.  Dhoirteadh  e  gach 
braon  d'a  fhuil  a  sheasamh  a'  Bhiobuill 
agus  Chriosd  agus  nan  Abstol  na'n  cluinn- 
eadh  e  gu  robh  daoine  (agus  gu  sonruichte 
daoine  nach  bu  toigh  leis,  no  daoine  nach  b' 
aithne  dha)  a'  deanamh  tair  orra ;  ach  air 
an  laimh  eile,  tha  eagal  orm  gu'm  biodh  e 
a  cheart  gu  deas  gu  fhuil  a  dhortaclh  as  leth 
Fhinn  Mhic  Cumhail,  no  Dhonnacha  Bhain, 
no  eadhon  an  Diabhoil.  Tha  e  tur  aineol- 
ach  air  spiorad  a'  IBhiobuill,  cho  aineolach 
ris  na  gamhna  aige  fhein,  ged  a  tha  prabadh 
beag  aige  air  an  litir,  ach  cha  'n  'eil  na  tha 
aige  de'n  litir  ach  'g  a  mharbhadh  an  ait« 
a  bhi  'g  a  thoirt  beo.  Tha  caibideil  a  Lebh- 
iticus  an  t-aon  ni  dha  ri  caibideil  a  soisgeul 
Eoin  ;  is  fhearr  leis  a  bhi  cluinntinn  mu 
euchdan  Shamsoin  na  mu  thurusan  soisgeul- 
ach  Phoil,  agus  ged  nach  bi  e  a'  leughadh  a' 
Bhiobuill  air  a  shon  fhein  uair  air  bith  bidh 
e  air  oidhchean  sonruichte  anns  a'  bhliadhna 
(oidhche      Bealltainn,       oidhche      Shamhna, 


39 


oidhche  na  Feill  Raid,  is  oidliche  Feill- 
Sheathaiu)  a'  leagail  a'  Bhiobuill  air  ard- 
doi'us  an  tighe  agus  'g  a  fhagail  an  sin  fad 
na  h-oidhche  gus  e  fhein  agus  a  theaghlach  a 
sheunadh,  agus  buidsichean  is  bochdain  a 
chumail  a  mach.  Ach  ged  a  tha  Eachann 
Ian  buirbe  is  aineolais  tha  e  cho  firinneach 
onorach  ris  a'  ghrein ;  an  uair  a  cJiaill 
Domhnull  Caimbeul  an  capuU  agus  an  da 
mhart  agus  an  t-agh  anns  an  aona  bhliadhna 
agus  a  bha  na  coimhearsnaich  a'  cruinneach- 
adli  airgid  dha  a  ohumadh  anns  a'  chroit  e, 
chuir  Eachann  tri  ginneachan  ann  ged  nach 
do  chuir  Alasdair  Mac  Eoghain  ach  leth- 
chrun  ann,  agus  e  na's  fhearr  air  a  dhoigh. 
Ciod  a  tha  thu  fein  ag  radh  mu  leithid 
Eachainn  ;  ciod  a  dh'  eireas  d'a  sheorsa  anns 
an  ath  shaoghal." 

"  Mata,  a  Chaluim,  chuir  sibh  ceist  orm  ; 
sin  rud  nach  h-urrainn  mise  a  radh,  oir  is 
ann  do  Dhia  a  nihain  a  bhuineas  bi'eitheanas 
agus  is  maith  gur  h-ann.  Bhiodh  e  furasda 
gu  leoir  dhomhsa  innseadh  dhuibh  ciod  a' 
bhinn  a  tha  an  eaglais  agus  na  diadhairean 
agus  na  creudan  a'  toirt  air  daoine  nach 
'eil  ann  an  Criosd  aig  uair  am  bais,  ach  cha 
duine  Dia,  agus  co  aige  a  tha  fhios  am  bheil 
esan  a'ciallachadh  an  t-aon  ni  's  a  tha  sinne 
a'  ciallachadh  leis  an  fhacal  ann  an  Criosd, 
oir  cha  'n  'eil  ann  am  facal  ach  facal  fhein. 
Mar  is  sinne  a  tha  mise  a'  fas  is  ann  is  cinn- 
tiche  mi  gu  bheil  Dia  caomhail  is  trocaireach 
is  uasal,  agus  nach  dean  e  gniomh  suarrach 
no  leibideach  as  an  gabhadh  eadhon  duine 
gun  ghras  naire. 

"  Tha  mi  toilichte,"  arsa  Calum,  "a 
chluinntinn  gu'm  bi  smuaintean  de'n  t- 
seorsa  sin  a'  dol  troimh  t'  inntinn-sa  cuid- 
eachd,  oir  bidh  iad  a'  tighinn  a  steach  orm 
fhein,  an  uair  a  dhichuimhnicheas  mi  Pol 
agus  Iain  Bunian  agus  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist,  agus  a  bhios  mi  a'  cnuasachadh 
'n  am  inntinn  fhein  air  gne  is  nadur  Dhe, 
air  a  mhorachd  is  air  a  chumhachd,  an  gaol 
a  dh'  fheumadh  a  bhi  aige  d'a  chloinn  m'an 
deanadh  e  na  rinn  e  air  an  son,  agus  an 
airde  neo-chriochnach  a  tha  e  os  cionn 
dhaoine  ann  an  caomhalachd  agus  ann  an 
trocair.  Cha  'n  'eil  annam-sa  ach  seann 
duine  aig  nach  'eil  sgoil,  is  bhiodh  e  dana 
dhomh  a  radh  gu  bheil  daoine  a  tha  na's 
foghluimte  na  tha  mi  cearr  anns  na  beachdan 
a  tha  aca  mu  Dhia,  ach  air  a  shon  sin  chuala 
mi  le  mo  dha  chluais  anns  an  eaglais  sin 
thall  nithean  air  an  cur  as  leth  an  Tighearna 
a  chuir  crith  air  m'  fheoil,  agus  sin  le  min- 
istearan  a  bha  an  diiil  gu  robh  iad  ag  ard- 
achadh  nan  sgriobturan  agus  a'  toirt  gloire 
do  Dhia.  Cha  toigh  leam  a  bhi  cluinntinn 
mhinistearan  a'  bruidhinn  air  Dia  mar  gu'm 
b'  aithne  dhaibh  E  cho  mhaith  r'an  coimh- 


earsnach  a  tha  air  taobh  eile  a'   gharraidh ; 
cha  toigh  leam  Dia  a  bhi  air  labhairt  uime 
mar  nach  robh  ann  ach  Urra  morchuiseach 
a  tha  daonnan  ag  iarraidh  modh  is  moladh 
bho  dhaoine,   agus  a  ghabhas  fearg  riu  mur 
toir  iad  dha  an  t-urram  as  dlighe  dha,  mar 
a  ghabhadh  seann  tighearna  Chluainidh  ris 
na  ceaird  mur  tugadh  iad  dhiubh  am  boinn- 
eid  anns  an  dol  seachad.      Saoilidh  mi  nach 
e  sin  idir  an  t-Athair  gaolach  air  am  biodh 
losa  a'  bruidhinn.        Tha  clann  agam-sa  mi 
fhein,  ach  ged  a  bhiodh  mo  mhac  'n  a  mhac 
neo-dhleasdanach,  seadh  ged  a  bhualadh  e  a 
lamh  orm  anns  an  aodann,   tha  fhios  agam 
nach  deanainn  air  an  ni  a  bhitear  ag  radh 
a  tha  Dia  a'   dol  a  dheanamh  air  cuid  d'a 
chloinn  anns  an  ath  shaoghal,  'g  an  losgadh 
ann  an  teine  gu  siorruidh.        Sin  rud  nach 
deanainn  eadhon  air  mo  namhaid ;  b'  fhearr 
leam  a  bhi   air  mo  chur   anns  an  teine  mi 
fhein  na  gu'n  cuirinn  duine  eile  ann,   agus 
saoilidh  mi   nach  eil   Dia   cho   leibideach  no 
an-iochdmhor     's    gu'n    deanadh    e    gniomh 
briiideil  nach  deanadh  beadall  bochd  peacach 
Chille-Sgumain.      Bidh  e  a'  tighinn  a  steach 
ormsa    gle    bhitheanta     nach    'eil    daoine  a' 
tuigsinn  gu  ceart  ciod  a  tha  iad  ag  radh  an 
uair   a  their    iad  gu  bheil   iad   a'   creidsinn 
ann  an  loch  mor  teine  anns  an  bi  daoine  air 
an  tilgeil  gu  bhi  a'  losgadh  ann  gu  siorruidh  ; 
cha  'n  'eil  ann  daibh  ach  facail,  facail  nach 
do  ghreimich  riamh  air  an  inntinn.        Bho 
chionn  da  bhliadhna  bha  mi  la  anns  a'  chladh 
so,    a'    gearradh   feoir,    agus   c6   a  thainig   a 
steach  air  a'  gheata  air  son  uaigh  a  bhrathar 
fhaicinn   ach   Tearlach  nan   duilleagan,   mar 
theireadh  iad  ris,  mac  do'n  mhuilleir  a  bha 
ann  an  G-leann  Moireastan,  duineachan  beag 
spaideil    a    bhios    a'    reic    thractaichean    is 
leabhraichean,  agus  air  uairean  a'  gleidheadh 
choinneamhan.        Theagamh      nach      aithne 
dhuitse  an  gille  ach  bidh  cuimhne  agad  air 
athair.      Bha  dithis  mhac  dhiubh  ann,  Tear- 
lach agus  brathair  a  b'  oige,  Seumas.       Bha 
Seumas  bochd  car  gorach,  agus  bhiodh  e  air 
uairean    a'    gabhail    smuid    drama,  ach    cha 
robh  cron  ann  do  dhuine  eile  ach  dha  fhein, 
agus  bha  gaol  aig  a'  h-uile  duine  air.        B' 
fhearr  leo  e  fada  cian  na  Tearlach,   oir  tha 
suil   is  teanga  mhlomhail   aige-san,    is  tha  e 
cho  splocach  's  a  tha  e  cho  spaideil.       Thuit 
Seumas  ann  an  caitheamh  ;  thainig  e  dhach- 
aidh   as   a'    bhaile  mhor,     is    mu    dheireadh 
shiubhail  e.      B'e  sud  a'  cheud  uair  a  thainig 
Tearlach  a  dh'   fhaicinn  uaighe,   agus  tonih- 
ais  ciod  a  thubhairt  e  an  uair  a  bha  e  'n  a 
sheasamh  aig  a  ceann.        "Cha   'n  'eil  fhios 
agam,"  arsa  mise,  "thuirt  an  duine  glic  gu 
bheil  am  ann  gu  bhi  bruidhinn,  agus  am  gu 
bhi  samhach,  agus  saoilidh  mi  gur  freagarr- 
ach   do  dhuine  a  bhi    'n   a  thosd  aig  ceann 


40 


uaigh  a  bhrathar,  agus  gun  na  nithean  a 
tha  'n  a  chridhe  a  thoirt  do  choigrich  no  do 
eoin  an  adhair. "  "Mata,"  ars'  am  beadall, 
"  cha  b'e  sin  a  rinn  am  peasan  ud,  ach  ann 
an  guth  cruaidh  cabhagach  mar  gu'm  e  a' 
reic  leabhair  aiS  &'  phaca,  thuirt  e,  Tha  a' 
chuid  mhor  de  na  tha  aii-  an  tiodhlacadh 
anns  na  h-uaighean  againne  ann  an  truaighe 
shiorruidh,  oir  mur  beirear  duine  a  ris  cha 
'n  fhaod  e  rioghachd  Dhe  fhaicinn,  ach  cha 
robh  duine  de  na  daoine  againne  air  am 
breith  a  rls  ach  mi  fhein  is  Seonaid  piuthar 
m'athar."  "Uist!,  a  chreutair  ghrannda,  " 
arsa  mi  fhein  ris;  "na  bi  a'  gabhail  air  do 
bhilean  briathran  soluimte  nach  eil  fhios 
agad  ciod  a  tha  iad  a'  ciallachadh ;  tha 
daoine  air  an  sineadh  anns  an  uaigh  sin  nach 
bi  thusa  gu  brath  cho  mhaith  riu  ged  bhiodh 
tu  air  do  bhreith  fichead  uair,  t'  athair  agus 
do  mhathair  agus  Seumas."  An  deidh  dha 
falbh  bha  mi  a'  smuaineachadh  air  an  rud  a 
thubhairt  e;  a'  smuaineachadh  am  biodh  e 
comasach  dhomh  fhein  fois  no  sonas  a  mheal- 
tainn  aon  mhionaid  de  oxio  bheatha  na'm 
bithinn  a'  creidsinn  gu  robh  mo  bhean  agus 
mo'  chlann  air  am  pianadh  ann  an  lasraich- 
ean  siorruidh  gun  dochas  gu'm  faigheadh 
iad  faochadh  no  fuasgladh  gu  brath.  Cha 
bhitheadh ;  duine  air  bith  a  ghabhadh  a 
bhiadh  gu  toilichte  no  a  chaidleadh  gu  reidh 
anns  an  oidhche  agus  fhios  aige  gu  robh  a 
bhrathair  no  athair  no  a  mhac  a'  fulang  ann 
an  loch  teine  pian  a  tha  dol  os  cionn  cainnte, 
sin  duine  a  thoilleadh  an  teine  e  fhein. 
Bidh  e  air  uairean  a'  tighinn  a  steach  ormsa 
nach  'eil  daoine  idir  a'  creidsinn  anns  an 
teine  fhiadhaich  ud  'n  an  cridhe  ged  tha  iad 
fhein  an  diiil  gu  bheil ;  cha  'n  'eil  e  dhaibh 
ach  mar  rud  a  chunnaic  no  chual  iad  anns 
a'  phaipeir-naigheachd,  rud  nach  'eil  a' 
deanamh  greim  oeart  air  an  inntinn  .  Ach 
ged  a  bhios  na  smuaintean  sin  ag  eirigh  suas 
'n  am  inntinn-sa,  an  uair  a  bhios  mi  a' 
cnuasachadh  air  cuisean  leam  fhein  anns  a' 
chladh,  bidh  eagal  orm  air  uairean  nach 
'eil  e  ceart  dhomh  a  bhi  a'  gabhail  gnothuich 
ri  nithean  a  tha  os  cionn  mo  thuigse,  agus 
gu'm  faod  e  bhi  gu  bheil  mi  a'  toirt  oilbheum 
do  Dhia.       Ciod  a  tha  thusa  ag  radh." 

"Tha,  nach  ruig  sibh  a  leas  eagal  air  bith 
a  bhi  oirbh  gu'n  cuir  bhur  smuaineachadh-se 
fearg  air  Dia,  oir  is  e  a  spiorad  fein  as 
ughdar  do  gach  smuain  is  faireachduinn 
chaomhail  a  dh'  eireas  ann  an  cridhe  duine. 
Ciod  eile  an  doigh  air  an  do  rainig  na  daoine 
naomh  a  sgriobh  am  Biobull  air  na  beachdan 
a  chuir  iad  sios  ann  ach  le  bhi  smuaineachadh 
'n  an  inntinn  fein  air  nadur  is  gne  is  doigh- 
ean  is  ruintean  an  Tighearna.  Tha  an 
Spiorad  ceudna  a  labhair  riusan  anns  na 
laithean  o  shean  a'   labhairt    ri    daoine    an 


diugh  fhathast,  agus  a'  teagasg  daibh  iomadh 
rud  air  nach  do  rainig  eadhon  na  h-abstoil. 
Na'n  robh  Pol  an  diugh  beo  tha  mi  Ian 
chinnteach  gu'n  aidicheadh  e  gu  robh  cuid  de 
na  beachdan  a  bha  aig  na  h-aithrichean  'n 
a  latha-san  car  anabaich  is  leanabail,  agus 
gu'n  abradh  e  gur  h-ann  bho  Spiorad  an 
Tighearna  a  thainig  iomadh  atharrachadh 
anns  an  eaglais  ris  nach  aontaicheadh  e 
fhein  no  Seumas  aig  an  am.  Is  e  Dia  fhein 
a  thug  do  mhac  an  duine  comas  breithneach- 
aidh,  agus  cha  toirmisg  e  do  dhuine  buadhan 
inntinn  a  chleachdadh,  cho  fhad  's  a  tha  a 
chridhe  air  a  shocruchadh  air  na  nithean  a 
tha  fior-ghlan.  Theagamh  nach  cuala 
sibhse,  a  Chaluim,  an  naigheachd  so  riamh, 
ach  thainig  i  gu  m'  inntinn  an  uair  a  bha 
sibh  ag  innseadh  dhomh  mu'n  rud  a  thuirt 
Tearlach  nan  duilleagan,  agus  bho  na  tha  i 
a'  bunntainn  ris  na  nithean  air  a  bheil  sinn 
a'  seanchas  innsidh  mi  dhuibh  i,  ged  nach 
bi  m'aithris  ach  gu  maith  maol  an  coimeas 
ri  aithris  a  bhaird  agus  an  duine  dhiadh- 
aidh  a  dh'  innis  an  toiseach  i  ann  an  rannan 
Beurla,  An  t-Urramach  Walter  C.  Smith, 
ministear  de'n  Eaglais  Shaoir,  an  Duneid- 
eann.  Tha  an  naigheachd  mu  6g-bhean  a 
rainig  geata  neimh,  air  a  saoradh  agus  air 
a  glanadh  bho  uile  pheacadh  an  t-saoghail. 
Bha  neochiontas  a  cridhe  ri  fhaicinn  air  a 
h-aodann,  air  chor  agus  gu'n  do  ghlaodh 
Pfeadar,  gun  uiread  is  ceist  a  chur  oirre  mu 
a  creud  no  a  paidir,  Fosglaibh  an  dorus  is 
leigibh  a  steach  i  oir  is  e  so  oigh  a  tha  airidh 
air  suidhe  aig  suipeir  an  Uain.  Cha  teid 
mi  a  steach,  fhreagair  i ;  cha  b'  ann  a  dhol 
a  steach  a  thainig  mi  gu  geata  neimh  ach  a 
dh'  fhaicinn  an  Uain  ;  f aiceam  aon  sealladh 
de  mo  Thighearna,  agus  cluinneam  aon  phong 
de  oran  nan  naomh,  agus  is  leoir  an  solas 
sin  dhomh ;  ach  cha  'n  fhaod  mi  dol  a  steach, 
oir  feumaidh  mi  dol  a  null  far  a  bheil  na 
truaghain  a'  fulang  ann  an  ifreann,  air 
taobh  eile  na  doimhne.  Agus  bha  na  h- 
ainglean  uile  'n  an  tosd.  Tha  brathair  ann 
air  a  bheil  gaol  agam,  agus  leannan  cuid- 
eachd ;  ciamar  a  thogainn-sa  f  onn  nan  salm 
air  clarsaich  oir  agus  iadsan  a'  mallachadh 
a  cheile  ann  an  ifreann?  lon-mhiannaichte 
gun  teagamh  tha  na  sraidean  oir,  craobh  na 
beatha,  is  cathair  aluinn  Dhe,  ach  b'  fhearr 
leam  iad  sin  uile  a  chall  seach  a  bhi  gun 
chomas  air  fiii  na  dibhe  a  thoirt  do  na 
truaghain  a  tha  fulang  pein.  Agus  bha  na 
h-ainglean  uile  'n  an  tosd.  Sheas  an 
Tighearna  e  fein  aig  geata  neimh,  a'  cluinn- 
tinn  na  h-oigh ;  cha  tig  thusa  a  steach  ach 
theid  mise  a  mach  thuirt  an  Slanuigheai- 
caomh  ;  theid  sinn  sios  do'n  t-slochd  oir  cio 
aige  a  tha  fhios  nach  eisd  iad  fhathast  ri  facal 
Dhe.      Agus  hha  na  h-ainglean  uile  'n  an  tosd. 


Air.     II. 


1924. 


BEAN  lOB. 


An  sin  thuhhairt  a  bhean  ris,  Am  hheil  thu 
fathast  a'  cumail  V  ionracaisi  Cuir  cul  ri 
Dia  agiis  faigh  has. — I  oh  ii,  9. 

Am  measg  a  h-uile  rud  maith  a  rinn  an 
Dotair  Mac  lUeathain  nach  maireann  thug  e 
ceartas  do  bhean  lob,  oir  dh'  fhag  na  seann 
diadhairean  a  thionndaidh  am  BiobuU  gu 
Gaidhlig  oirre  gu'n  d'  iarr  i  air  a  duine  Dia 
a  mhallachadh.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  deach- 
aidh  a  h-ainni  air  feadh  an  t-saoghail  uile 
mar  aon  de  na  droch  mhnathan  a  thug  Dia 
do  dhaoine  sonruichte  gu  bhi  'n  an  sgolb  's 
an  fheoil  aca.  Thuirt  an  diadhair  mor 
Augustine  uimpe  nach  robh  innte  ach  fear- 
cuideachaidh  do  Shatan ;  cainnt  laidir  is 
cainnt  uamhasach  air  bilean  diadhair,  gu 
sonruichte  mu  blioirionnach. 

Tha  na  facail  maUachd  is  mallachadh  'n  am 
briathran  soluimte  eagallach,  ciod  air  bith  an 
guth  leis  an  abrar  iad  no  an  doigh  anns  an 
cleachdar  iad.  Tha  e  dona  gu  leoir  gu'm  mall- 
aicheadh  aon  duine  duine  eile,  ach  gu'm 
mallaicheadh  duine  Dia,  Cruithear  na  talmh- 
ainn  agus  nan  neamh, — sin  baobhalas  is 
toibheum  a  tha  dol  os  cionn  cainnte. 

Ach  anns  a'  Bhiobull  ur  Ghaidhlig  tha  am 
facal  mallaich  air  fhagail  a  mach,  oir  b' 
aithne  do'n  Dotair  Mac  Illeathain  Eabhra 
na  b'  fhearr  na  b'  aithne  do'n  fheadhainn  a 
dh'  eadar-theangaich  e  an  toiseach,  agus  bha 
fhios  aige  gur  e  an  fhior  rud  a  thuirt  bean 
lob,  Cuir  cul  ri  Dia  agus  faigh  bas.  Bha 
sin  fhein  dona  gu  leoir,  ach  cha  'n  'eil  e  cho 
dona  ris  na  chuireadh  as  a  leth. 

Coltach  ris  na  daoine  eile  a  bha  beo  anns 
an  am  ud  (seadh,  agus  daoine  anns  an  la 
diugh)  bha  diiil  aig  bean  lob  gu'n  tugadh 
Dia  soirbheachadh  saoghalta  d'a  fear  mar 
dhuaisi  fhireantachd,  ach  an  uair  a  chunnaic 
i  nach  e  sin  a  bha  tachairt  ach  gu'n  d' 
thainig  call  is  trioblaid  air  os  cionn  chaich, 
rinn  i  suas  a  h-inntinn  nach  robh  buannachd 
ann  an  seirbhis  Ichobhah,  agus  dh'  iarr  i 
air  lob  cul  a  chur  r'a  sheirbhis  ged  gheibh- 
eadh  e  bas,  oir  nach  b'  urrainn  da  a  bhi  na 
bu  mhiosa  na  bha  e  ged  bhiodh  e  marbh 
fhein.  Cha  b'  ann  idir  gu  magail  a  thuirt 
i  so,  ach  ann  an  searbhadas  a  cridhe;  bha 
na  briathran  air  am  fasgadh  as  a  bilean  le 
meud  a  broin,  agus  gu  sonruichte  leis  an 
tionndadh  a  ghabh  i  an  uair  a  chunnaic  i 
a  ceile  anns  an  luaithre,  agus  e  air  a  chomh- 
dach  le  neasgaideau  cvaiteach  o  mhuUach  a 
chinn  gu  bnnn  a  choise.- 


FeUmar  a  chuimhneachadh  nach  ann  air 
lob  a  mhain  a  bha  lamh  an  Tighearna  air  a 
leagail  gu  trom  :  bha  ise  a'  fulang  cho 
mhaith  ris-san ;  clann  lob  air  an  tainig  bas 
sgiorraidh  b'e  a  clann-se  iad  cuideachd;  'n 
a  uile  amhghar-san  bha  ise  fo  amhghar  mar 
an  oeudna.  Bha  call'  an  codach  is  call  na 
cloinne  goirt  gu  leoir,  ach  a  nis  thainig  na 
bu  chruaidhe  air  fad  oirre;  an  uair  a 
chunnaic  i  an  t-aon  duine  a  bu  dluithe  dhi 
air  thalamh  air  a  bhualadh  le  galair  uamh- 
asach chain  i  a  ciall  agus  a  cail,  is  thuirt  i 
ris,  Ciamar  is  urrainn  duit  earbsa  a  chur 
ann  an  Dia  tuilleadh ;  tha  mise  ullamh  is  E, 
agus  tha  mi  ceart  coma,  cuir  thusa  ciil  ris 
cuideachd,  oir  cha  'w  'eil  romhad  ach  an 
uaigh  co  dhiu. 

Briathran  eagallach,  da  rireadh,  ach  ma's 
aithne  dhomhsa  doighean  an  Tighearna  idir 
tha  mi  an  duil  nach  bi  e  trom  air  cainnt 
amaideach  is  cainnt  pheacach  dhaoine  a  tha 
an  cridheachan  briste,  cho  briste  's  gu'm 
bheil  am  briseadh-cridhe  a'  cur  isieachrain 
'n  an  ceann ;  tha  mi  an  duil  nach  cuimhnich 
6  'n  an  aghaidh  an  teagamh  peacach  a 
thainig  'n  an  inntinn  agus  na  briathran 
amaideach  a  thainig  gu'm  bilean  ann  an  la 
na  deuchainn.  Oir  tha  Dia  glic  agus  tuigs- 
each. 

Bha  bean  lob  anns  an  staid  inntinn  anns 
an  robh  mathair  shonruichte  air  an  cuala  mi 
iomradh  an  am  a'  chogaidh.  "Bha  mi  ag 
urnuigh  ri  Dia,"  ars'  ise,  "a  h-uile  latha 
fad  she  miosan,  gu'm  biodh  mo  mhac  air  a 
chaomhnadh ;  ach  a  nis  chaill  mi  e,  is  cha  'n 
'eil  suim  agam  tuilleadh  do  Dhia."  Ciod 
a  their  thu  ris  a  sin,  a  leughadair  ?  Theag- 
amh  gu'n  cuala  thu  ni-eigin  de'n  cheart 
sheorsa  anns  na  laithean  deuchainneach  ud 
anns  an  robh  anmanna  dhaoine  air  an 
criathradh.  Ach  bu  mhaith  leam  fhios  a 
bhi  agam  co  dhiu  a  tha  a  mhathair  ud  de'n 
cheart  inntinn  an  diugh  fhathast,  ma  tha  i 
beo,  no  co  dhiui  a  dh'  aisdg  Dia  a  h-anam 
air  ais  dhi  le  feartan  caomhail  a  spioraid. 
"  Chaidh  sinn  troimh  theine,  agus  troimh 
uisge,"  ars'  an  Salmadair,  "  ach  thug  thu 
mach  sinn  gu  h-ionad  saoibhir  ;"  a'  ciallach- 
adh  gu'n  oibrich  dearbhadh  faighidinn, 
agus  faighidinn  dochas,  dochas  ann  an  Dia, 
an  dochas  sin  a  tha  mar  acair  do'n  anam. 
Bitheanta  gu  leoir  tha  bron  is  bristeadh- 
cridhe  a'  milleadh  dhaoine,  'g  an  deanamh 
gearanach  is  searbh,  ach  sin  daoine  anns  a 
bheil  domblas  na  seirbhe  co  dhiu,  agus  cha 
'n  e  run  an  Tighearna  gu'n  iomaineadh  a 
fhreasdal  searbh  a  chlann  air  falbh  bhuaitli, 


42 


ach  'n  a  aite  sin,  gu'n  tigeadh  iad  na's 
dluithe   dha,    chum   fasgadh   fhaotainn   ann. 

Ann  a  bhi  faotainn  coire  do  Dhia  agus  a' 
toirt  dulain  do'n  Uile-chumhachdach  labh- 
air  bean  lob  gu  h-amaideach,  air  chor  agus 
gu'm  bu  cheart  a  fhreagair  lob  fhein  an 
uair  a  thuirt  e  rithe  gu  robh  i  a'  labhairt 
mar  aon  de  na  mnathan  amaideach ;  "an 
gabh  sin  maith  o  laimh  Dhe,''  ars'  esan, 
"agus  nach  gabh  sinn  olc?"  Tha  sinne  a 
tha  beo  anns  na  laithean  deireannach  so  'n 
ar  n-oighreachan  air  stor  mor  de  ghliocas,  de 
eolas,  agus  de  fhiosrachadh  spioradail,  a 
chruinnich  an  cinneadh-daonna  anns  na  linn- 
tean  a  chaidh  seachad  o  laithean  lob;  ach  air 
a  shon  sin,  tha  mise  co  dhiu  'g  am  fhaireach- 
duinn  fhein  mar  gu'm  biodh  paisde  aig  casan 
an  duine  naoimh  so,  agus  eha  'n  'eil  uair  a 
chuimhnicheas  mi  air  nach  toir  e  orm  mo 
cheann  a  ohromadh  le  naire  gu  bheil  mo 
chreideamh  cho  beag  's  a  tha  e,  agus  m'  as- 
creideamh  cho  mor.  An  uair  a  bhiosi  thusa, 
a  leughadair,  ann  an  diobhail  misnich,  an 
diiil  gu  bheil  do  chor  na's  miosa  na  cor 
dhaoine  eile,  agus  gu  bheil  camadh  'n  ad 
chrannchiir  a  ni  do  bheatha  gun  fheum  duit, 
leugh  agus  leugh  a  ris  aireamh  nam 
mifhortan  agus  nan  trioblaidean  a  thainig 
air  lob  agus  lean  ort  gus  an  tig  thu  a  dh' 
ionnsuidh  nam  briathran  buadhmhor  so, 
briathran  nach  fhaighear  an  coimeas  gus  am 
faighear  e  ann  an  iirnuighean  an  Ti  a  lath- 
air  mar  nach  do  labhair  neach  riamh.  An 
sin  dh'  eirich  I  oh,  agus  rinn  e  aoradh  agus 
thuhhairt  e,  Lomnochd  thainig  mi  d  hroinrt 
mo  mhdthar,  agus  lomnochd  pillidh  mi  an 
sin  ;  thug  an  Tighearn  uaith  agus  thug  an 
Tighearna  leis ;  beannaichte  gu  rohh  ainm 
an  Tighearna. 

Cha  do  chuir  lob  cul  ri  Dia.  "  G^ed 
mharbhadh  e  mi,"  ars'  esan,  "  earbaidh  mi 
as."  Sin  an  creideamh  as  fhiach  creideamh 
slainteil  a  radh  ris,  agus  theagamh  gu  robh 
a  bhean  mhichreideach  air  a  naomhachadh 
le  creideamh  a  fir. 


ANNS  A'   CHOILLE  BHEITHE. 

Tha  bliadhna  mhor  agus  an  corr  air  dol 
seachad  bho  shuidh  mi  air  an  tolman 
bhoidheach  air  a  bheil  mi  am  shuidhe  an 
diugh.  Cha  robh  moran  laithean  air  a' 
bhliadhna  so  a  dh'  fhaodadh  duine  e  fhein 
a  shineadh  air  an  fheur,  a  ghabhail  na 
greine,  oir  cha  robh  grian  ann.  Ach  tha 
grian  is  blaths  is  solus  anns  a'  choille  bheithe 
an  diugh,  agus  chuir  mi  romham  gu'n  leig- 
inn  dhiom  uile  obair  an  t-saoghail  agus  gu'n 
cuirinn  seachad  an  latha  leam  fhein  innte, 
gus  a  h-aileadh  fhaotainn  ann  am  ph^raibh 
agus  mo  shuil  is  mo  chridhe  a  thoileachadh 


leis  na  daithean  maiseach  a  tha  air  tighinn 
oirre  bho  chionn  seachduinn. 

Chi  mi  'n  toman  caoruinn  cuilinn, 
Chi  mi  'n  toman  caoruinn  thall; 
Chi   mi    'n   toman   caoruinn   cuilinn 
'S  laogh  mo  cheilV  air  'uilinn  ann. 

Anns  an  duthaich  so,  aig  an  am  so 
de'n  bhliadhna,  tha  an  caorunn  daonnan 
riomhach  is  maiseach,  ach  tha  e  am 
bliadhna  uile  gu  leir  barraichte  ann 
an  gloir.  Cha  'n  fhaca  mi  riamh  barrachd 
dhearcagan  air  na  craobhan  caoruinn  na 
tha  orra  am  bliadhna,  agus  cha  'n  fhaca  mi 
riamh  iad  na  bu  deirge  na  tha  iad.  Their- 
eadh  na  seann  daoine  gu  bheil  sin  a'  ciall- 
achadh  gu'm  bi  droch  gheamhradh  againn  ; 
gu  bheil  Dia  ag  ullachadh  nan  dearcagan 
air  son  nan  eun.  Ach  is  iomadh  rud  a 
bhiodh  na  seann  daoine  ag  radh  air  nach 
'eil  dreach  na  fir  inn,  agus  is  e  so  aon  diubh. 
Faodaidh  e  bhith  gu  bheil  droch  gheamhradh 
romhainn  am  bliadhna.,  ach  ma  tha,  cha  'n 
'eil  gnothuch  aig  pailteas  nan  dearcagan 
ris,  agus  thainig  droch  gheamhradh  iomadh 
uair  as  deidh  foghair  anns  an  robh  na  dear- 
cagan beag  is  gann. 

Fad  an  latha  air  an  t-Sabaid  bha  an  dile 
uisge  ann,  agus  fad  na  h-oidhche  cuideachd  ; 
Diluain  cha  robh  ann  ach  frasan,  frasan 
fuara,  ach  oidhche  Diluain  bha  an  dile 
ruadh  ann  a  rithist;  Dimairt,  bha  frasan 
ann  gu  feasgar  ach  ann  an  dorcha  na  h- 
oidhche  thionndaidh  i  gu  reothadh,  agus  bha 
an  talamh  geal  an  uair  a  dh'  eirich  mi 
trath  's  a'  mhaduinn  an  diugh,  is  leth- 
oirleach  deighe  air  na  loin.  Ach  mar  a 
thog  an  latha,  thainig  a'  ghrian  a  mach  'n  a 
neart,  agus  chruadhaich  i  suas  gu  latha  nach 
d'  thainig  a  leithid  am  bliadhna,  an  seorsa 
latha  nach  fhaighear  ach  ann  an  October, 
latha  anns  a  bheil  cluas  is  suil  is  beul  is 
cridhe  duine  a'  deoghal  a  steach  solais. 
Thuirt  mise  rium  fhein  gu'n  leiginn  dhiom 
obair  is  curam  is  driop  an  t-saoghail"  agus 
gu'n  cuirinn  seachad  an  latha  ann  an  caid- 
reamh  diomhair  ri  Urra  Mor  na  Coille. 

Na'm  bithinn  air  son  argumaid  a  dhean- 
amh  riut,  a  leughadair,  agus  toiseachadh  air 
a  dhearbhadh  gur  creutair  ladarna  a  tha 
ann  am  mac  an  duine  tha  mi  an  diiil  gur  e 
an  oeann-teagaisg  a  ghabhainn,  Seachd 
I onghnaidhean  an  t-saoghail.  Tha  cuimhne 
agad  ciod  iad  na  h-ionghnaidhean  sin. 
Pyramids  na  h-Eiphit,  Garradh  Mor  Bhab- 
iloin,  an  Teampxill  aig  Diana  ann  an 
Ephesus,  agus  togalaichean  eile  de'n  t- 
seorsa  sin,  oibrichean  a  tha  nochdadh  an 
comas  agus  an  innleachd  a  tha  ann  an  inn- 
tinn  agus  ann  an  laimh  mhic  an  duine.  Ach 
tha  ionghnaidhean  anns  an  t-saoghal  is 
motha   na   oibrichean   air  bith   a   rinn  lamh 


43 


mhic  an  duine,  miorbhuilean  is  motha  na  na 
Pyramids.  Ann  an  uair  a  dh'  nine  anns  a' 
Choille  Bheithe  chi  mo  shuil  is  cluinnidh  mo 
chluas  nithean  as  miorbhuiliche  na'n  team- 
pull  as  maisich©  a  thogadh  riamh  le  lamhan  ; 
ann  am  fas  agus  ann  am  bas  an  duillich,  ann 
an  sgiathan  nan  eun  air  iteig,  ann  an  deise 
riomhach  an  dealain-de,  tha  culaidh-smuain 
is  ionghnadh  na's  motha  na  gheibhear  ann 
an  obair  air  bith  a  rinn  lamhan  duine.  A 
dh'  aindeoin  na  boilich  a  bhios  mac  an  duine 
a'  deanamh  mu  na  nithean  mora  is  iongan- 
tach  a  theid  aige  air  a  dheanamh  tha 
cr&utairean  anns  a'  choille  a  ni  obair  as 
grinne  agus  as  finealta  na's  urrainn  dha-san 
a  dheanamh.  Ann  an  coimeas  ri  nead 
speacha  cha  'n  'eil  anns  na  Pyramids  ach 
obair  gharbh,  boitsearachd  gun  snas. 

Cha  'n  'eil  uair  a  sheallas  mi  air  na 
tighean-samhraidh  a  bhios  na  speachan  a' 
cur  suas  air  an  son  fein  nach  tig  an  smuain 
gu  m'  inntinn  nach  robh  ann  an  Sir 
Christopher  Wren  ach  am  paisde  laimh 
riutha,  a  thaobh  ealain  na  h-ard-chlachair- 
eachd.  Na'n  robh  uiread  caomhalachd  ann 
an  cridhe  nan  speachan  's  a  tha  de  sheoltachd 
'n  an  cinn,  agus  de  ghrinneas  'n  an  lamhan 
agus  'n  an  casan,  bhiodh  iad  'n  an  sluagh 
sonruichte  air  thalamh.  Sluagh  gniomhach, 
is  sluagh  finealta,  is  sluagh  seolta,  ach  air 
a  shon  sin,  is  sluagh  borb  gun  choguis  iad. 
Anns  an  aon  nead  gheibhear  air  uairean 
fichead  mile  dhiubh,  ach  ged  tha  iad  cho 
lionmhor,  tha  iad  cho  ordail  agus  cho  riagh- 
ailteach  'n  am  beatha  agus  'n  an  obair  ri 
muinntir  bail©.  Ach  'n  an  nadur  tha  iad 
guineach  naimhdeil  caonnagach,  Ian  gamh- 
lais  is  mioruin,  gun  a  leithid  de  ni  annta 
agus  iochd.  Tha  aon  droch  chlcachdadh  aca 
nach  'eil  aig  creutairean  eile ;  an  aite  na 
cuileagan  no  na  meanbh-bhiasdan  eile  a 
tha  iad  a'  dol  a  dh'  itheadh  a  mharbhadh  a 
dh'  aon  ruith,  tha  iad  a'  cur  diodag  puinn- 
sein  annta  l©isi  a'  ghath,  los  an  deanamh  gun. 
chli,  agus  an  sin  'g  an  gleidh©adh  beo  ann 
an  stor,  gus  am  bi  feum  aig  na  speachan 
oga  air  feoil  ur.  Tha  e  coltach  nach  biodh 
feoil  a  bha  fada  air  a  marbhadh  maith 
dhaibh.  Ciod  a  their  thu  fliein,  a  leughad- 
air,  ri  obair  mar  sin?  Their  mise  nach  b' 
urrainn  Satan  fhein  leasan  a  thoirt  do'n 
speach,  oir  tha  i  cheana  coimhlionta  ann  an 
aingidheachd.  An  uair  a  bheachdaicheas 
mi  air  nithean  de'n  t-seorsa  so  ann  an  cruth- 
achadh  Dhe  cviiridh  e  crith  air  m'  fh©6il. 
Tha  e  na's  fhasa  olc  a  thuigsinn  ann  am 
beatha  mhic  an  duine  aig  am  bheil  reuson 
is  coguis  na  tha  ©  a  thuigsinn  ann  am 
beatha  nan  ainmhidhean  aig  nach  'eil  reuson 
no  tuigse ;  nach  'eil  ach  a'  toirt  umhlachd 
do'n  lagh  a  chuir  Dia  'n  am  feoil,  gun  fhios 
aca  c'  ar  son  a  tha  iad  'g  a  dheanamh.      An 


uair  a  ni  mac  an  duine  dad  cearr  cha  ruig- 
ear  a  leas  a  choir©  a  chur  air  Dia ;  ach  an 
uair  a  ni  figheadairean,  is  speachan,  is  cait, 
is  tiogairean,  is  clann  eile  na  coille,  gniomh- 
aran  oillteil  a  chuireas  goirisinn  ann  ad 
fheoil  CO  air  a  chuirear  a  choir©? 

Ged  nach  trie  leis  a'  Choille  Bheithe  a  bhi 
gvm  cheol  air  chor-eigin  tha  aon  ghuth  a  tha 
mi  daonnan  ag  ionndrainn  innte,  guth  na 
h-uiseig.  Na'n  robh  baraiil  an  t-sluaigh  uile 
air  a  ghabhail  air  a'  cheist,  co  an  guth  as 
binne  anns  an  ealltuinn,  tha  mi  an  duil 
gu'n  abradh  a'  mhor-chuideachd,  guth  an 
smeoraich.  Cha  'n  abair  mise  gu  bheil  iad 
cearr,  ach  air  a  shon  sin,  is  caomh  le  m' 
chluais  oran  na  h-uiseig  seach  gach  ceol  ©ile 
fo'n  ghrein.  Anns  an  diithaich  so  cha 
chluinnear  an  ceol  sin  ach  annamh ;  ann  an 
AdhoU  tha  an  uiseag  mar  gu'm  biodh  i  air 
a  h-aineoil ;  an  uair  a  thig  i  thugainn  tha  i 
mar  bha  na  h-Iudhaich  ann  am  Babilon,  'g 
a  faireachduinn  fhein  ann  an  tir  choimhich, 
air  chor  agus  nach  h-urrainn  i  a  laoidhean 
a  sheinn.  Ach  na  'm  biodh  tusa,  a  leugh- 
adair,  air  aon  d©  mhachraidhean  Thiriodh 
ann  am  briseadh  an  latha  air  maduinn 
chiiiin  is  bhlath  anns  a'  Cheiteinj  chluinneadh 
tu  ceol  a'  lionadh  na  h-iarmailt  mar  nach 
cuala  tu  riamh  an  aite  eile,  agus  ceol  nach 
cluinn  thu  gu  brath  a  leithid  gus  an  cluinn 
thu  oran  Mhaois  agus  an  Uain  ann  an  neamh. 
Ma'n  urrainn  an  sme^rach  fonn  an  orain  a 
thogail  feumaidh  e  a  chasan  fhorcadh  ann  an^ 
craoibh ;  sin  an  t-aobhar  nach  do  dhearbh  e 
e  fhein  riamh  mar  sheinneadair  ann  an  eil- 
ein  mo  dhuthchais.  Ach  cha  'n  'eil  feum 
aig  an  uis©ig  air  craoibh  no  stob ;  eirigh  i 
suas  air  a  sgiathan  os  cionn  deathach  agus 
gleadhraich  an  t-saoghail,  is  doirtidh  i  a 
mach  a  neart  agus  a  cridhe  ann  an  ce^l  cho 
neamhaidh  's  gu'n  toir  e  cridhe  duine  fo 
bhuaidh  an  t-saoghail  ata  shuas. 

Tha  cuid  de  dhaoine  a'  cumail  a  mach  gu 
bheil  gaol  na  coille  nadurra  do  mhac  an 
duine  a  chionn  gu'm  b'©  a'  choill©  dachaidh 
a  shinns©arachd,  Cloinn-an-Ajja.  (Cuimhnich, 
a  leughadair  nach  ©  idir  Cloinn-an-Aba 
a  tha  mi  a'  ciallachadh.)  An  la  roimhe, 
aig  a'  choinnimh  mhoir  a  bha  aig  muinntir 
na  h-eaglais  Shasunnaich,  thuirt  duine 
ionnsaichte  nach  robh  ann  ach  an  d©arg 
fhaoineas  do'n  eaglais  Chriosduidh  a  bhi  a' 
cur  an  aghaidh  nam  beachdan  aig  Darwin. 
Cha  'n  'eil  mise,  air  a  h-aon,  a'  cur  'n  an 
aghaidh,  ach  air  a  shon  sin,  tha  rudan  a' 
tachairt  orm  a  h-uil©  latha  a  bhiosi  a'  cur 
ionghnaidh  orm,  agus  nach  'eil  idir  cho 
furasda  an  tuigsinn  's  a  bhios  luchd-lean- 
mhuinn  Dharwin  a'  cumail  a  mach.  A  reir 
mar  a  bhios  na  daoine  a  tha  eolach  air  an 
doighean  ag  innseadh  dhuinn,  tha  na  s©ill- 
eanan   'n   an  creutairean   anabarrach  g-lic  is 


44 


gniomhach  ;  tha  banrigh,  is  luchd-riaghlaidh, 
is  laghannan,  aca.  Is  aithne  dhaibh  an 
gnothuch  cho  mhaith  ri  clann-daoine,  agus 
tha  iad  daonnan  a'  toirt  an  aire  air,  agus 
shaoileadh  tu  gu'n  ionnsaicheadh  iad  nith- 
ean  ura  bho  fhiosrachadh  am  beatha.  Ach 
cha  'n  'eil  iad  a'  deanamh  sin.  Bho  chionn 
na  miltean  bliadhna  tha  mac  an  duine  a' 
goid  an  codach  a  h-uile  foghar ;  a'  toirt 
bhuapa  na  meala  a  chruinnich  iad  cho 
dlchiollach  fad  an  t-Siamhraidh,  ach  cha  'n 
'eil  iadsan  a'  i'oghlum  gliocais.  Ged  tha 
iad  a'  faicinn  cha  'n  'eil  iad  a'  tuigsinn. 
Ma  tha  e  fior  gur  h-e  an  eiginn  (am  feum  a 
tha  aca  air  iad  fhein  a  dhion)  a  tha  ag 
aobharachadh  bhuadhan  ura  is  thalantan  ura 
a  bhi  a'  fas  ann  an  creutairean  shaoileadh  tu 
gu'm  faigheadh  creutair  cho  glic  ris  an  t- 
seillean  doigh  air  chor-eigin  air  a  chuid  a 
dhlon  bho  shannt  mhic  an  duine ;  shaoileadh 
tu  gu'n  toisicheadh  e  air  a  mhil  fholach  ann 
an  aite  nach  ruigteadh  oirre. 

An  cual  thu  riamh  an  naigheachd  so,  a 
leughadair?  Mur  cuala  cluinnidh  tu  fichead 
naigheachd  air  am  bi  na  's  lugha  de  dhreach 
na  fir  inn  mu'm  bi  upraid  nan  ath  cheithir- 
la-deug  ullamh,  taghadh  na  Parlamaid.  Tha 
coir  gu'm  biodh  fhios  aig  a  h-uile  duine  aig 
a  bheil  guth-taghaidh  ciod  a  tha  am  facal 
mor  f  ada  propaganda  a'  ciallachadh  ;  tha  an 
naigheachd  a  tha  mise  a'  dol  a  dh'  innseadh 
mu  dhuine  neonach  de  mhuinntir  Chill-mo- 
Cheallaig  a  thoisich  air  pi'opaganda  am  measg 
nan  ainmhidhean.  Bhiodh  clann-daoine  a' 
magadh  air,  agus  duil  aca  gvi'n  robh  e  as  a 
chiall,  ach  bha  e  fhein  agus  creutairean  na 
machrach  a'  tuigsinn  a  cheile  mar  gu'n 
tigeadh  iad  as  an  aon  nead.  An  uair  a 
dh'  fhairtlich  air  toirt  air  muinntir  na  Par- 
lamaid eisdeachd  ri  gearan  nan  creutairean 
balbh  a  tha  air  an  droch  ghiullachd  le  mac  an 
duine  thoisich  e  air  propaganda  air  mach- 
raichean  agus  anns  na  coilltean,  gus  mu 
dheireadh  an  deachaidh  eich,  is  crodh,  is  coin, 
is  cait,  is  oearcan,  is  mucan,  is  seilleanan, 
is  speachan,  ann  an  co-bheinn  r'a  cheile  agus 
an  do  shuidhich  iad  gu'n  deanadh  iad  mar 
a  bhios  clann-daoine  fhein  a'  deanamh,  gu'n 
stadadh  iad  de  obair  gus  am  faigheadh  iad 
an  coraichean.  An  uair  a  chuala  muinntir 
na  Parlamaid  agus  sluagh  na  duthcha  so 
thuirt  iad  gu  robh  an  duine  air  a'  chuthach 
is  rinn  iad  glag  mor  gaire 

Ann  an  latha  no  dha  thug  na  coin  agus 
na  cait  na  coiltean  orra,  agus  an  uair  a  dh' 
fhalbh  iadsan  dh'  fhas  na  radain  dana  is 
lionmhor,  cho  dana  's  gu'n  robh  eagal  air 
mathraichean  an  leanaban  fhagail  ann  an 
creathaill.  Cha  robh  deur  bainne  ri  fhaot- 
ainn,  oir  thoisich  an  crodh  air  breabadh  ; 
seana  fhrodli   nach   do    liio<2'    an    cas     riamh 


roimhe  cha  leigeadh  iad  le  banarach  a  lamh 
a  chur  orra.  Cha  leigeadh  na  h-eich  leis 
na  cairtearan  siigan  no  srathair  a  chur  orra ; 
bhris  iad  an  ceanglaichean  is  chruinnich  iad 
comhla  'n  an  ceudan,  ag  ionaltradh  air  na 
h-achaidhean  a  b'  fhearr  a  gheibheadh  iad. 
Thoisich  an  gual  air  fas  gann,  agus  am 
biadh ;  dh'  ith  na  burraich  agus  na  biasdagan 
a  h-uile  gas  gorm  a  bha  annsi  na  garraidh- 
ean ;  bha  an  duthaich  fichead  uair  na  bu 
mhiosa  na  bha  i  ann  an  am  a'  chogaidh. 

An  sin  thoisich  daoine  air  aire  a  thoirt 
do'n  ghnothuch.  Chuir  cinn  na  h-eaglais  a 
mach  litrichean  gu  am  i^obull  dileas  ag  iarr- 
aidh  orra  la  trasgaidh  is  iirnuigh  a  chumail 
feuch  an  rachadh  an  t-olc  so  a  bha  a'  bag- 
radh  air  an  diithaich  thairis.  Anns  a  h-uile 
paipear-naigheachd  bha  da  thaobh  a'  phaip- 
eir  air  a  lionadh  le  litrichean  a  bha  ag  inn- 
seadh ciod  a  bha  tachairt  an  sid  agus  an  so 
anns  an  duthaich;  cuid  dhiubh  a'  cur  na 
coire  air  a'  Cheasar,  cuid  dhiubh  'g  a  cur 
air  bodach  na  gealaich,  agus  cuid  eile  air 
Ramsay  Mac  Dhomhnuill. 

Ged  nach  'eil  mi  a'  dol  a  chriochnachadh 
mo  naigheachd  faodaidh  mi  so  a  radh  co 
dhiu,  nach  fhada  a  mhaireadh  uachdran- 
achd  mhic  an  duine  thairis  air  na  creutair- 
ean eile  na'n  rachadh  iad  ann  an  co-bheinn 
'n  a  aghaidh.  Agus  gu  cinnteach  bhithinn 
fhein  leo,  ged  nach  toigh  learn  propaganda. 

Ciod  e  an  fhior  Ghaidhlig  air  an  fhacal 
propaganda?  Tha,  sgleolinn.  Theagamh 
nach  amais  am  facal  sin  ort  anns  na  faclair- 
ean  Gaidhlig,  ach  is  iomadh  facal  maith  nach 
fhaighear  anns  na  faclairean,  ged  a  b'  aithne 
do  Mhac  Mhaighstir  Alasdair  iad,  agus  do 
Chalum  na  Croige,  agus  do  Sheonaid  Each- 
ainn.  Tha  am  facal  air  a  dheanamh  suas 
de  dha  fhacal,  sgleo  agvis  lion ;  sgleo ; — 
doilleireachd  shul  is  inntinn  a  tha  air  an  cur 
air  daoine  leis  na  brevigan  ;  lion, — an  rud 
sin  a  bhios  am  figheadair  a'  deanamh  air  son 
nan  cuileagan  a  ghlacadh.  Nach  'eil  sin 
soilleir  gu  leoir?  Anns  na  laithean  so  tha 
e  car  duilich  eadhon  do'  dhaoine  aig  nach 
'eil  inntinnean  falamh  iad  fein  a  chumail  a 
ribeachan  na  sgleolinn  lei.s  a  bheil  iad  air  an 
cnartachadh  air  gach  taobh,  ach  tha  na 
daoine  aig  a  bheil  inntinnean  falamh  uile 
gu  leir  ann  am  braighdeanas  aig  luchd  na 
sgleolinn.  Sin  cuid  de'n  droch  dhileab  a 
dh'  fhag  an  cogadh  againn.  Ann  an  am  a' 
chogaidh  cha  robh  air  a  thoirt  dhuinn  de'n 
fhirinn  ach  na  bha  daoine  mora  na  duthcha 
a'  saoilsinn  a  bha  maith  dhuinn,  agus  bha 
iadsan  Ian  chinnteach  nach  seiseamaid  ach 
ri  diodag  bheag  dhi.  Bheireadh  iad  dhuinn 
Ian  meurain  de'n  fhirinn  ann  an  ciipa 
RS'leolinn. 


Air.    12. 


1924. 


NA   GAIRDEANAN   SIOKRUIDH. 


h  e  an  Bia  bith-bhuan  cV  aUe-cdinhnuidh, 
aym  fodha  tha  na  gdirdeanan  siorruidh. 
DeutcfonoDii,   xxxiii,    27. 

Ann  am  fear  d'a  leabhraichean  tha  an  t- 
Urramach  Tearlach  Spurgeon  ag  innseadh 
mar  a  fhuair  e  misneach  is  fois  cridlie  bho 
fliacal  Dhe  an  uair  a  bha  e  ami  an  diobhail 
misnich.  "Anns  a'  bhliadhna  1854,"  tha  e 
ag  radh,  "  mu'n  gann  a  bha  mi  bliadhna 
ann  an  Lunnainn  thoisich  am  fiabhrusi-dubh 
anns  a'  chearn  de'n  bhaile  anns  an  robh  mi 
ag  ubair.  Bha  teaghlach  an  deidh  teagh- 
laich  a'  tuiteam  sios  leisi  agus  is  gann  a  bha 
la  a  dol  seachad  nach  i-obh  mi  a'  cur  cuid- 
eigin  fo'n  fhoid.  Bha  mo  chridhe  goirt 
agus  mo  bhodhig  sgith,  agus  mu  dheireadh 
thoisich  eagal  air  mo  bhualadh  gu  robh  an 
oalair  uamhasach  a'  deanamh  greim  orm 
fein.  Feasgar  a  bha  mi  a'  tilleadh  dhach- 
aidh  bho  thiodhlacadh,  agus  mo  chridhe  trom, 
faicear  paipear  air  a  chrochadh  ann  an 
uinneig  greusaiche  air  an  t-sraid.  Thug  mi 
siiil  air  a'  phaipeir  anns  an  dol  seachad, 
agus  ciod  a  bha  sgrlobhte  air  ach  na  briath- 
ran  so,  "Is  e  an  Dia  bitk,-bhuan  d'  dite- 
comhnuidh,  agus  fodha  tha  na  gdirdeanan 
siorruidh.  A  chionn  gu'n  d'  rinn  thu  an 
Ti  as  dirde  'na  ionad-cdmhnuidh  dhuit  cha' n 
eirich  olc  air  bith  dhuit,  agus  cha  tig  'pldigh 
am  fagus  do  d'  bhiith.'"  Thug  mo  chridhe 
plosgadh  as  agus  ghreimich  na  briathran  air 
m'  inntinn  mar  nach  gabh  e  innseadh  dhomli. 
Ann  an  lan-dearbhachd  creidimh  ghabh  mi 
ris  a'  ghealladh  phriseil,  agus  le  cridhe 
foisneachail  is  neart  ur  lean  mi  orm  am 
measg  luchd  an  fhiabhruis,  oir  bha  mi  nis 
a'  faireachduinn  gu  robh  mi  crioslaichte  le 
neo-bhasmhorachd. ' ' 

Dhearbh  Mghr  Spurgeon  'n  a  fhiosrachadh 
fein  gur  fior  facal  an  t-salmadair,  "Bheir 
fosghtdh  do  bhn'athar  solus."  [Salm  cxix, 
130).  Tha  facal  Dhe  beo  agus  eifeachdach  ; 
bheir  e  cha  'n  e  mhain  solus  ach  mar  an 
ceudna  neart  agus  misneach  agus  dochas 
dhaibhsan  a  ghabhas  ris.  Smuainicheam- 
aid,  ma  ta,  air  an  fhacal  so,  an  dochas  gu'm 
faigh  sinn  ni-eigin  ann  a  bhios  dhuinn  mar 
acair  do  ar  n-anam. 

Tha  na  briathran  air  am  faotainn  anns  a' 
bheannachadh  leis  an  do  bheannaich  Maois, 
an  duine  le  Dia,  clann  Israeli  roimh  a  bhas. 
Fad  inmadh  bliadhna  bha  Maois  'n  a  atliair 
do  chloinn  Israeli,  'n  a  lorg  agus  'n  a  l)hata 
dhaibh    a  la  agus  a   dh'    oidhche.        B'    esan 


caraid  a  bu  dilse  agus  a  bu  dliiithe  a  bha  aca 
air  thalamh,  agus  is  ann  ris  a  bha  iad 
a'  sealltainn  anns  gach  deuchainn.  Cho 
fhad  agus  a  bha  e  air  an  ceann  bha  fhios 
aca  nach  robh  eagal  daibh,  oir  gheibheadh  a 
ghliocas  agus  a  chomhairle  rathad  air  am 
fuasgladh  as  gach  teinn.  Ach  a  nis,  an  uair 
a  bha  e  air  bheul  am  fagail,  bhuail  eagal  iad, 
oir  cha  bu  Leir  dhaibh  ciamar  a  rachadh  iad 
air  an  aghaidh  as  eugmhais.  Sin  an  suidh- 
eachadh  anns  an  do  labhair  Maois  na  briath- 
ran so.  Chuir  e  'n  an  cuimhne  nach  bu 
choir  dhaibh  a  bhi  ann  an  diobhail  misnich, 
oir,  ged  a  bha  esan  'g  am  fagail,  gu  robh 
gairdeanan  fodhpa  a  bu  chundiachdaiche 
agus  a  bu  chaomhaile  na  ghaivdeana-san, 
agus  gu  robh  iad  fo  chiiram  agus  fo  ghleidh- 
eadh  an  Ard-Bhuachaille  air  nach  tuit  clo 
cadail  no  suain.  "Is  e  an  Dia  bith-blnuui 
d'  aite  comhnuidh,  agus  fodha  tha  na  gaird- 
eanan siorruidh." 

Is  fhada  bho  cheile  tir  ar  diithcha-ne  agus 
tir  Israeli,  agus  is  mor  an  t-atharracha<lh  a 
thainig  air  an  t-saoghal  o  laithean  Mhaois, 
ach  tha  an  gealladh  so  cho  priseil  dhuinne 
an  diugh  's  a  bha  e  dhaibhsan  an  de.  Ma 
bha  feum  aig  a'  chinne-daonna  air  Dia  ann 
an  laithean  an  leanabais  tha  a'  cheart  fheum 
aca  air  fhathast,  agus  theagamh  feum  na's 
motha.  Ged  a  tha  daoine  an  diugh  'n  an 
oighreachan  air  ealain  iir  is  eolas  iir  nach 
robh  aig  an  aithrichean,  agus  ged  a  thug 
na  nithean  sin  atharrachadh  air  am  beatha 
o'n  taobh  a  niuigh,  gidheadh  tha  cridhe  nihlc 
an  duine  gun  atharrachadh  gun  sgaile  tionn- 
daidh,  leonta  le  peacadh  is  eagal  is  bron  na 
beatha  so  mar  bha  e  riamh,  agus  a'  miann- 
achadh  a  bhi  air  a  threorachadh  gu  carraig 
as  airde  na  e  fein.  Mar  is  motha  a  chnu- 
asaicheas  agus  a  mheomhraicheas  e  air 
crioch  araidh  a  bheatha,  agus  mar  is  soilleire 
a  chl  e  anfhannachd  fein  ri  aghaidh  fhear- 
tan  diomhair  is  chuinhachdan  nach  'eil 
comas  sam  bith  aige  thairis  orra,  is  ann  is 
motha  a  dh'  fhairlcheas  e  am  feum  a  tha 
aige  air  Dia,  agus  a  <lh'  aidicheas  e  gur  e  an 
sgeul  as  taitniche  a  1)'  urrainn  da  a  chluinn- 
tinn,  gu  bheil  an  Dia  bith-bhuan  'n  a  ionad- 
comhnuidh  dha  agus  gu  bheil  na  gairdeanan 
sionniidh  fodha  'n  a  dhol  a  mach  agus  'n  a 
theachd  a  steach.  Bidh  daoine  a'  feuchainn 
ri  ni-eigin  fhaotainn  a  chuireas  iad  ann  an 
aite  Dhe,  ni-eigin  a  shasuicheas  ionndrainn 
is  feum  an  anama,  ach  sin  iarraidh  air  nach 
robh  riamh  agh.  Obair,  is  airgiod,  is  caird- 
eas,  is  toilinntinn,  is  gradli  mnallia  is 
cloinne, — tlia  na  nitliean  sin  uile  maitli  agus 
ion-mhiannaichte   'n  an   aite  fein,   agus  ann 


46 


an  tomhas  lionaidh  agus  riaraichidh  iad 
cridhe  nihic  an  duine,  ach  thig  an  t-am  anns 
an  abair  e  riu  mar  thuiit  lob  ri  chairdean, 
l,s-  I iichd-com/ifh  t/rtac/id  truagh  .s/hh  uile.  An 
uair  a  tha  cudthroni  an  t-saoghail  so  agus 
nithean  naeli  tuig  e  ach  ann  am  pairt  a' 
luidhe  air  an  anam,  an  sin  le  claonadli 
nadurra  tha  e  ag  iarraidh  fasgaidh  ann  an 
dochas  agus  ann  an  comhfhurtachdan  na 
diadhaidheachd.  Agus  is  e  Dia  toiseach 
agus  deireadh  na  diadhaidheachd.  Mar  a 
ruitheas  an  abhainn  do'n  chuan  as  an  d' 
thainig  i,  mar  sin  tha  anam  an  duine  a' 
gluasad  an  comhdhail  Dhe,  tobar  a  bheatha 
agus  a  neirt.  As  na  doindmeachdan  eighidh 
e  ris. 

Is  e  crioch  araidh  na  h-eaglais  agus  uile 
ndieadhonan  an  t-soisgeil  anam  an  duine  a 
tharruing    gu    Dia,    chum    fasgadh    is    fois 


fhaotainn    ann.      Cha 


'n   e   an   eaglais    fein, 


no  am  Biobull,  no  na  sacramaidean,  tearm- 
unn  an  anama  ;  cha  'n  'eil  annta-san  ach 
lorgan  is  comharran  a  tha  a'  treorachadh 
dhaoine  gu  Dia,  an  tearmunn  fior  agus 
laidir.  B'e  a'  chrioch  cheudna  a  bha  aig 
Criosd  anns  an  amharc  ann  an  laithean  fheola. 
Thainig  e  do'n  t-saoghal  a  chum  an  t-Athair 
a  nochdadh  do  dhaoine,  agus  dh'  fhaodadh 
suim  an  teagaisg  a  thug  e  seachad  ma  thim- 
chioll  an  Athar  a  bhi  air  a  chur  anns  na 
ceart  bhriathran  anns  an  do  chuir  Maoisi  e, 
Is  e  an  Dia  hith-hhiMn  d'  dite-cdmhnuidh , 
agus  fodha  tha  na  gdirdeanan  siorruidh. 

Le  a  theagasg,  agus  gu  sonruichte  le 
earbsa  fein  ann  an  Dia,  sheulaich  e  an  fhir- 
inn  sin  air  cridheachan  nan  deisciobul. 
Theagaisg  e  dhaibh  le  bhriathran  agus  le 
choluadar  nach  bu  neach  Dia  nach  robh  a' 
gabhail  suim  do  na  creutairean  a  dhealbh  e, 
ach  gu  robh  a  churam  agus  a  dhion  thairis' 
orra  a  ghnath,  agus  gu  robh  eadhon  fuil- 
teanan  an  cinn  air  an  aireamh  leis.  Faodar, 
ma  ta,  gabhail  ri  sgeul  aoibhneach  agus 
chomhfhurtachdail  nam  briathran  so,  cha  'n 
ann  a  mhain  air  iighdarras  Mhaois  ach  air 
ughdarras  as  airde,  ughdarras  Mhic  Dhe. 
An  t-Athair  a  nochd  esan  do'n  t-saoghal  is 
Athair  caomhail  agus  laidir  e,  tearmunn 
agus  neart  a  shluaigh,  coinasach  air  an  dion 
agusi  an   gleidheadh. 

Is  airidh  Dia  air  an  earbsa  as  motha  a 
chuireas  sinn  ann.  Feoraich  de  na  linntean 
a  dh'  fhalbh  an  do  chuireadh  riamh  gu 
naire  neach  a  dh'earb  as?  Tha  mile  aobhar 
againn  gun  earbsa  a  chur  annainn  fein  ach 
cha  'n  'eil  aobhar  idir  againn  gun  earbsa  a 
chur  ann  an  Dia.  Tha  sinne  luaineach  ach 
tha  esan  seasmhach ;  tha  sinne  lag  ach  tha 
esan  laidir,  agus  ma  thilgeas  sinn  ar  n- 
eallach  air  an  uair  a  tha  ar  n-eallach  trom 
l)heir  e  dhuinn  an  coiiilmadh  a  gheall  e.  Tha 
an  t-as-creideamli  ag  iadliadh  gu  furasda 
eadhon    mu     dlianino     diadliaidh,     aaais     aii' 


uairean  bidh  iad  an  diiil  gu'n  do  dhlchuimh- 
nich  Dia  iad  agus  gun  d'  atharraich  a 
chridhe  d'an  taobh.  An  uair  a  tha  cuisean 
a'  dol  leo  agus  a  tha  gach  ni  a  reir  am 
niiann  tha  faireachduinn  aca  gu  bheil 
maitheas  agus  trocair  Dhe  'g  an  leantuinn 
agus  gu  bheil  a  ghairdeanan  fodhpa ;  ach  an 
uair  a  tha  cuisean  a'  dol  'n  an  aghaidh  agus 
a  tha  cursa  an  fhreasdail  dorcha  is  searbh 
'n  am  beatha,  ann  an  droch  shlainte,  no  ann 
an  am  broin,  tha  an  creideamh  agus  an 
earbsa  ann  an  Dia  a'  fannachadh  agusi  their 
iad  riu  fein  gu'n  do  dhichuimhnich  e-  iad. 
Ach  cha  do  dhichuindmich  Dia  I'iamh  a 
shluagh;  faodaidh  eadhon  mathair  a  lean- 
abh  ciche  a  dhichuimhneachadh  agus  gun 
truas  a  ghabhail  dha,  ach  cha  dichuimhnich 
Dia  a  shiuagh,  oir  ghearr  e  iad  air  dearnan 
a  lamh.  Anns  an  latha  dhona  cho  cinnteach 
ris  an  latha  mhaith,  ann  an  am  calldachd, 
no  broin,  no  briseadh-duile,  tha  a  ghradh 
agus  a  chaoimhneas  thairis  orra  cho  seasmh- 
ach ris  a'  ghrein.  Faodaidh  caochladh 
tighinn  air  ar  creideamh-ne  agus  air  ar 
faireachduinnean,  ach  cha  tig  caochladh  gu 
brath  air  gradh  Dhe  no  air  a  smuaintean 
trocaireach  d'  ar  taobh.  Ged  dh'  atharraich- 
eadh  na  heanntan,  agus  a  ghluaisear  na 
cnuic  ;  cha  'n  atharraichear  mo  chaoimhntas- 
grdidh  hhuaitse,  agus  cha  ghluaisear  coimh- 
cheangal  mo  shith,  deir  lehohhah.  Ge  b'e 
aite  an  teid  sinn  cha  tuit  sinn  as  a  lamhan- 
san,  agus  ann  an  lamhan  an  Tighearna  cha 
'n  eirich  olc  dhuinn  ciod  air  bith  a  thachras. 
An  uair  a  tha  an  t-seann  bhliadhna  gu  bhi 
thairis,  agus  sinn  a'  cur  ar  n-aghaidh  air 
bliadhna  uir,  a'  dol  a  mach  mar  a  chaidh 
Abraham  agus  gun  fhios  againn  ciod  a  tha 
romhainn,  deanamaid  greim  air  a'  ghealladh 
so  ann  am  facal  an  Tighearna,  Is  e  an  Dia 
hith-hhuan  d'  dite-cdinhnuidh  agus  fodha 
tha  iia  gdirdeanan  siorruidh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 


B'  abhaist  do  bhoirionnach  coir  ann  an 
Tiriodh  a  bhi  ag  radh  gu  robh  e  furasda 
gu  leoir  fir  fhreagarrach  fhaotainn  d'a 
nigheanan  ach  nach  robh  fhios  aice  air  an 
t-saoghal  c'  aite  an  rachadh  i  a  dh'  iarraidh 
mnatha  d'a  mac.  Cha  b'  aithne  dhi  aon  te 
anns  an  duthaich  a  bha  maith  gu  leoir  air  a 
shon.  Bha  i  coltach  I'i  Reljecah  an  uair  a 
chual  i  gu  robh  lacob  a'  leannanachd  ri  te 
de  nigheanan  Het.  "Tha  mi  sgith  de  mo 
bheatha,"  ars'  ise  ri  Isaac:  "ma  ghabhas 
lacob  l>ean  de  nigheanan  Het,  ciod  am  maith 
a  ni  mo  bheatha  dhomhsa?"  Gun  teagamh 
bha  e  glic  do  lacob  gun  e  fein  a  cheangal  gn 
neo-chothroniach  li  caileig  mhi-clireidirh, 
ach  ged  dheanadh  e  e,  theagamh  gu'm 
faic'headh  a  mhathair  as  a  chionn  agus  nach 


47 


biodh  an  gnothuch  idir  cho  dona  's  a  bha 
i  an  duil.  Ach  uia  bu  niliaith  le  bean  air 
bitli  a  mathair-cheile  a  thoileachadh  feuni- 
aidli  rud  beag  .de  ghliocas  na  nathrach  a  bhi 
aice,  CO  dhiii  a  tha  neo-lochdas  a'  chalumain 
aice  no  nach  'eil. 

Ann   an   aon    de  ghlinn   na    Gaidiiealtachd 
bha  boirionnach  aig  an  robh  aon  mhac.    Cha 
robh  a'    fuireach   leo   ach   iad   fhein,    ach  an 
uair  a  thainig  am  mac  gu  aois  posaidh,  leag 
e  a  shuil   air  te  a  bha   anns  a'   choimhears- 
nachd  agus  rinn  iad  suas  gu'm  posadh  iad. 
B'    fhearr    le  mhathair    a   bhean   a   leigeil   a 
steach   leis   seach    dealachadh    ris,    agus    is  e 
sin  a  rinneadh.      Bha  an  t-seana  bhean  'n  a 
boirionnach  glic,  agus  chuir  i  roimphe  gu'm 
biodh  i  ciuin  is  caoimhneil  ris  a'mhnaoi  oig, 
ach    nach    tugadh    i    dhith    a    h-inntinn    gu 
buileach  no  gu  saor  gus  an  cuireadh  i  dearbh- 
adh   oirre  feuch   an   rachadh  aioe  air  sgeul- 
ruin  a  ghleidheadli.  La  de  na  laithean  thubh- 
airt    i    rithe    gu'm    bu    mhaith    leatha    rud 
sonruichte  innseadh   dhi    ann    an   diiibhrais, 
na'n  gealladh    i   a    cheiltinn    agus    gun    inn- 
seadh do  dhuine  beo.      Bhoidich  a'  bhean  6g 
gu'm  biodh  i  cho  tosdach  ris  an  uaigh  agus 
nach  innseadh  i  e  eadhon  d'a  ceile-posda.  An 
sin   dh'    innis  an  t-seana  bhean  dhi   ann   an 
cagar,    mar    gu'm   bu    rud    e   nach   gabhadh 
bruidhinn  air   os  cionn   a  h-analach,   ciod  a 
thachair  dhi  an  uair  a  bha  fiughair  aioe  ris 
a'  cheud  leanabh  an  deidh  posaidh.        "  Cha 
'n  e  leanabh  a  rug  mi   idir  ach  cat ;  ach  is 
e  sin  rud  nach   'eil  fhios  aig  duine  eile  air 
thalamh  air,  agus  b'  fhearr  leam  a  bhi  marbh 
na  gu'n  cluinneadh  anam  beo  e."     Chuir  an 
rud    a    chual    i    ionghnadh    cho    mor    air    a' 
mhnaoi  oig  's  nach  b'  urrainn  di  gun  a  bhi 
a'  smuaineachadh  air  gun  sgur,   ach  thug  i 
a  mionnan  gu'n  ceileadh  i  e,   agus.  bha  i  a' 
ciallachadh   a   cheiltinn.      Ach  tha  mic  Adh- 
aimh,    agus  gu   sonruichte,    nigheanan  Eubh 
anfhann   is   eu-dionach,    agus    cha    robh    an 
diomhaireachd   uamhasach   ud    idir   cho   fur- 
asda  a  chumail  aioe  fhein  's  a  bha  i  an  duil. 
Cha  robh  uair  a  rachadh  i  a  sheanchas  r'a 
coimhearsnaich  nach  biodh    an    sgeul-riiin    a 
fhuair  i  aig  dorus  a  beoil  ag  iarraidh  a  mach, 
agus  air  uairean  dh'   fheumadh   i  a  lamh  a 
chur  air  a  bilean  air  eagal  gu'n  toisicheadh 
iad    air    an   naigheachd    innseadh   leo    fhein, 
gun  cbead  a  toile,        Bha  eagal  aice  roimh 
a  mathair-cheile,   agus    chuidich    sin    leatha 
fuireach  samhach,  ach  mu  dheireadh  dh'  fhas 
e  cho  duilich  dhi  an  naigheachd  a  chleith  's 
gu'n  robh    i    a'    faireachduinn    gu'n  sgain- 
eadh   i   na'n  cumadh   i   aice  i  na  b'    fhaide, 
agus    oidhche    an    sin    leum    i    a   mach    agus 
sheas  i  air  cnoc  beag  a  bha  aig  ceann  an  tighe, 
agus  labhair  i  mar  so  i-is  na  rionnagan, 
A  rionnair/  's  a  reiilfah/  hlirear. 
TiVfi    Dio    inlinfha ir-rlifilc   nif . 


Ach  chuala  tuilleadh  agus  na  rionnagan  an 
lud  a  thubhaiit  i ;  lean  a  mathair-cheile  a 
mach  i,  agus  gus  a  leigeil  fhaicinn  dhi  gu'n 
do  rug  i  oirre  anns  a'  chionta,  fhreagair  i, 

A  hhrionnaig  's  a  bhreugaig  hhochd 
Cha  ' n  e  rug  mi  fein  ach  mac. 

Bha  a'  bhean  6g  air  a  narachadh ;  air  a 
narachadh  gu'n  deachaidh  i  an  cois  a  geall- 
aidh,  agus  air  a  narachadh  nach  b'  urrainn 
di  sgeul-ruin  a  chleith. 

Chuala  tu  mo  naigheachd,  a  leughadair, 
agus  a  nis  tha  mi  a'  dol  a  chur  ceist  ort ;  c6 
de'n  dithis  bhoirionnach  ud  a  bha  anns  a' 
choire ;  c6  aca  a  ghabhadh  tu  a  taobh  'I 
Ghabhainn-sa  taobh  na  te  oig.  Ged  bhiodh 
an  rud  fior  cha  robh  gnothuch  air  bith  aig 
an  t-seann  te  deuchainn  mar  sud  a  chuir  air 
bean  a  mic,  deuchainn  nach  seasadh  ach  fear 
anns-  an  fhichead  agus  bean  anns  a'  nihil e.  An 
aite  a  bhi  cur  sios  oirre  theirinn-sa  gu'n  do 
rinn  an  creutair  truagh  a  fhuair  an  sgeul- 
ruin  ud  gle  mhaith ;  cheil  i  fad  sheach- 
cluinnean  sgeul  uamhasach  a  gheibheadh 
eisdeachd  dhi  ann  an  comunn  air  bith 
anns  an  toilicheadh  i  suidhe,  eisdeachd  a  b' 
fhearr  na  gheibh  ministearan  do'n  sgeul 
aoibhneach  a  tha  aca  r'a  innseadh,  agus  an 
uair  a  dh'  fhairtlich  oirre  oumail  oirre 
fhein  na  b'  fhaide  rinn  i  innleachd  air 
faochadh  fhaotainn  ann  an  doigh  nach  dean- 
adh  cron  d'a  mathair-cheile.  Ann  an  aon 
seadh,  cha  deachaidh  i  ann  an  cois  a  facail 
idir,  oir  cha  d'  innis  i  e  do  dhuine  beo.  Cha 
'n  innis  na  h-eoin  no  na  rionnagan  an  rud 
a  chluinneas  iad.  Bu  mhaith  do'n  t-saoghal 
na'n  gabhadh  daoine  nach  h-urrainn  dad  a 
chleith  an  doigh  sin  air  faochadh  fhaotainn 
bho  an  an-shocair  a  bhios  'n  an  inntinn  agus 
'n  am  feoil  an  uair  a  bhios  rud  aca  r'a  inns- 
eadh, na'n  rachadh  iad  suas  air  muUach 
cnuic  agus  an  diubhrais  a  dheanamh  ri  bod- 
ach  na  gealaich,  no  ris  na  fir-chlis,  no  ris  a' 
ghrioglachan. 

Bha  na  seana  G-haidheil  a'  cur  nieas  inor 
air  daoine  ceillidh,  daoine  ris  am  faodadh 
tu  rud  diomhair  earbsadh  gun  eagal  gu'n 
glaodhadh  iacl  air  mullach  nan  tighean  e. 
Theireadh  iad  mu  dhuine  a  bha  luath  'n  a 
theangaidh.  Ceilidh  e  an  rud  nach  'eil  fhios 
aige  air.  Theireadh  iad  cuideachd,  gur 
maith  an  fhiacal  a  bhi  roimh  'n  teang- 
aidh,  a'  ciallachadh  gu  bheil  an  teanga 
'n  a  ball  cho  aotrom  luasganach  's  gur 
fheairrd  i  garradh  a  bhi  roinihpe.  Bha 
meas  mor  air  daoine  samhach  ceilteach  anns 
an  t-seann  t-saoghal  air  fad,  gu  sonruichte 
anns  an  Roimh;  dh'  fhaodainn  leth  na  h- 
oidhcbe  a  chur  seachad  ag  innseadh  mu 
dhaoine  aii'  an  do  cViuir  lompairean  na 
R,oiinho  uri'arn  a  cliiniiri  gu  rolih  iad  tosdach. 
Tha  e  air  a  radii  nach  <!'  fhuaras  aon  duine 


48 


am  measg  seanaiiean  na  Parlamaid  aims  an 
Roinih,  fad  uchd  gineilean,  a'  tuisleach- 
adh  le  theangaidh.  Air  uaiiean  bhiodh  na 
seanairean  a'  toirt  a  steach  an  cloinne,  gu 
sonruichte  am  mic  a  bu'  shine,  do  aite  na 
Comhairle,  a  chum  gu'm  faiceadh  iad  cia- 
mar  a  bha  ciiisean  air  an  socruchadh.  Am 
measg  nam  balach  sin  bha  fear  d'  am  b'  ainm 
Papyrius  Praetextatus,  agu-s  tha  an  naigh- 
eachd  so  air  innseadh  uime-san.  Bha  na 
seanairean  a'  deasbud  mu  ni-eigin  fad  an 
latha  gun  ceann-criche  a  chur  air  ;  thubhairt 
fear-na-cathi-ach  gu'm  biodh  a'  chins  cheud- 
na  air  am  beulaobh  am  maireach  ach  nach 
robh  maith  dhaibh  innseadh  ciod  a  bha  iad 
a'  bruidhinn  air  gus  am  biodh  e  uile  air  a 
shocruchadh.  An  uair  a  chaidh  Papyrius 
dhachaidli  dh'  fhaighnich  a  mhathair  dheth 
ciod  a  bha  na  seanairean  a'  deanandi  an 
diugh.  Thubhairt  esan  nach  robh  maith 
dha  sin  innseadh.  Bu  mhoid  a  dhuisg  sin 
feorachas  a  mhathar ;  le  briodal  is  brosgul 
chaidh  i  'n  a  charamh  feuch  am  faigheadh  i 
a  mach  sgeul-ruin  nan  seanairean.  Mu 
dheireadh  thubhairt  e  rithe  gu'n  innseadh  e 
dhith  ciod  a  bha  na  seanairean  a'  feuchainn 
ri  shocruchadh;  "bha  iad,"  ars'  esan,  "a' 
deasbud  co  dhiu  a  b'  fhearr  do'n  rioghachd 
da  bhean  a  bhi  aig  a'  h-uile  fear  no  da  fhear 
a  bhi  aig  a'  h-uile  mnaoi."  Leum  am  boir- 
ionnach  a  mach  as  an  tigh,  agus  an  oidhche 
sin  fein  cha  robh  aon  de  mhnathan  nan  uais- 
lean  aig  nach  robh  fhios  gu  robh  am  fir  ag 
radh  anns  an  t-seanadh  gu'm  b'  fheairrd  iad 
fhein  agus  an  rioghachd  da  bhean  a  bhi  aca. 
Am  maireach,  m'an  d'  fhosgladh  an  seanadh, 
bha  reiseamaid  de  bhoirionnaich  aig  an 
dorusi  agus  iad  air  druim  dearg  a'  chuthaich, 
is  b'  fheudar  do  Phapyrius  innseadh  do  na 
seanairean  mar  a  thubhairt  e  r'a  mhathair. 
Thug  an  rud  a  rinn  an  gille  beag  gaire  orra, 
is  mhol  iad  e  air  son  a  thosdachd  agus  a 
gheiread,  agus  an  sinn  rinn  iad  lagh  nach 
fhaigheadh  claim  sheanairean  a  steach  do'n 
Pharlamaid  tuilleadh,  ach  a  mhain  Papyrius 
Praetextatus. 

Uair  a  dh'  fhaighnich  duine-eigin  de 
Mhetellus,  aon  de  chommandairean  na 
Roimhe,  ciod  a  bha  e  am  beachd  a  dheanamh 
anns  a'  chogadh,  fhreagair  Metellus  "  na'n 
robh  mi  an  diiil  gu'm  b'  aithne  d'  am  leine 
an  run  a  tha  'n  am  iimtinn  chuirinn  dhiom 
i  is  loiisginn  i."  Nach  b'e  sud  an  duine  a 
fhreagradh  air  Kitchener  ! 

Ach  ma  bha  tosdachd  air  a  chunntas  mar 
fhireantachd  aim  an  daoine  anns  an  t-seann 
t-saoghal  tha  mi  an  diiil  nach  'eil  uiread 
meas  air  an  diugh.  Theagamh  nach  'eil  e 
fui'asda  dhuinn  bi'eith  chothromach  a  thalih- 
airt  ann  an  ciiis  de  'n  t-seorsa  so,  agus  cha 
bu   mhaith   leani-sa   a   radh  nach    'eil   uii'ead 


dhaoine  ann  am  Breatunn  as  urrainn  sgeul- 
ruin  a  chumail  's  a  bha  riamh  anns  an 
Roimh  no  ann  an  aite  air  bith  eile,  ach  air 
a  shon  sin,  an  uair  a  sheallas  mi  thairis  air 
na  leabhraichean  a  tha  air  an  cur  a  mach  'n 
am  ticheadan  an  diugh,  ag  innseadh  ciod  a 
thubhairt  an  duine  ud  mu'n  duine  ud  eile, 
a'  toirt  duinn  gach  goileam  is  goileab  a 
chualas  aim  an  seomraichean  uaigneach  leis 
an  fheadhainn  a  sgriobh  iad,  feumaidh  mi 
a  radh  mu  mhoran  de  luchd-a-phinn  nach 
ceil  iad  ach  an  rud  nach  'eil  fhios  aca  air. 
Theagamh  nach  'eil  anns  an  rud  so  ach 
fasan  iir,  fasan  a  theid  seachad  gu  goirid 
mar  a  chaidh  di'och  fhasain  eile  seachad,  ach. 
tha  e  a'  milleadh  dhaoine  'n  an  cridhe  agus 
'n  an  coguis,  a'  deanamh  an  cridheachan 
cruaidh  agus  a'  deanamh  an  coguisean  maol. 
Coma  leam  daoine  air  am  bi  aileag  gus  an 
innis  iad  a'  h-uile  facal  a  chuala  iad;  cha  'n 
'eil  annta  ach  daoine  cunnartach,  agus 
daoine  a  Bhealaicheas  cairdean.  Is  maith 
an  comharradh  e  air  duine  air  bith  srian  a 
bhi  aige  air  a  theangaidh.  Cha  'n  'eil  doigh 
eile  anns  a  bheil  daoine  a'  briseadh  lagh  a' 
chairdeis  agus  lagh  na  simirce  eho-  trie  's  a 
tha  iad  'g  a  dheanamh  le  luathas  na  teang- 
aidh. 


OBAIR  NA  H-EAGLAIS. 


Fdsaidh  an  aon  hheay  'n  a  in  tie,  agus  an 
aon  shiKirach  'n  a  cinneach  laidir.  Sin  am 
facal  a  thainig  gu  m'  inntinn  an  la  roimhe 
an  uair  a  bha  mi  a'  leughadh  an  leabhair 
bhig  anns  a  bheil  iomradh  air  a  dheanamh 
air  an  obair  shoisgeulach  a  tha  eaglais  na 
h-Alba  a'  deanamh  aim  an  duthchaima  cein. 
A  thuilleadh  air  na  chuir  an  eaglais  a  mach 
de  dhaoine  geala,  a  theagasg  agus  a  Shear- 
monachadh,  tha  cho  mhaith  ri  mile  gu  leth 
de  naisinn  nan  duthchannan  sin  fhein  air 
an  cur  air  leth  a  nis  gu  seirbhis  an  t-sois- 
geil  am  measg  an  luchd-diithcha.  Tha 
46,492  pearsa  air  am  baisteadh,  agus  tha 
29,941  de  sgoilearan  anns  na  sgoilean 
agaiim  aims  na  h-Iimsean  agus  amis  na 
duthchannan  thall.  Ach  ged  tha  an  obair 
a'  soirbheachadh  tha  moran  ri  dheanamh 
fhathast,  agus  tha  e  air  iarraidh  oirnn  uile 
am  bliadhna  ar  lamh  a  chur  'n  ar  poca  agus 
tabhartas  as  mo  na's  abhaist  a  thoirt  do'n 
aobhar  so.  Ciod  am  feum  a  tha  ann  do 
dhuine  a  bhi  ag  urnuigh  ri  Dia  gu'n  luath- 
aicheadh  e  teachd  a  rioghachd  air  thalamh 
inur  cuidich  e  le  Dia  an  urnuigh  sin  a 
fhreagairt.  Leumadh  an  Dotair  Ogilvie  le 
moit  na'n  tugamaid  dha  crim  a  bharrachd 
anns  an  not  air  na  fhuair  e  an   uiridh. 


Air.    1 


1925. 


SEAIiMON  DO'N  CHLOINN. 

Bheir  mi  an  aire  do  in'  shlighihh  nach 
peacaich  mi  le  m'  theangaidh.   Salrn,  xxxix.  1 

Chaidh  duine  uair-eigin  gu  fear-tegfgaisg 
ludhach,  a  dh'  iarraidh  air  te  de  na  sailm 
ionnsachadh  dha.  B'e  so  an  t-salm  a  thagh 
am  feai-teagaisg.  Thoisich  an  duine  air 
a'  cheud  rann  ionnsachadh  air  a  theangaidh, 
agus  an  uair  a  shaoil  e  gu'n  robh  an  rann 
aige  gu  ceart,  thuirt  e  ris  an  Rabbi  gu'n 
deanadh  sud  feum  air  son  aon  la,  is  dh' 
f'halbh  e.  Bha  duil  aig  an  Rabbi  gu'm 
biodh  e  air  ais  am  maireach,  ach  chaidh 
bliadhna  mhoj-  seacliad  m'  an  do  thill  an 
duine.  An  uair  a  dh'  fheoraich  am  fear- 
teagaisg  dheth  o'  ar  son  a  dh'  fhan  e  air 
falbh  cho  fada,  "  Dh'  i'han,"  ars'  esan,  "  a 
chionn  nach  bu  mhaith  learn  toiseachadh  air 
leasan  iir  gus  an  robh  a'  cheud  leasan  agam 
gu  ceart." 

Is  sona  a  h-uile  duine  a  dh'  ionnsaicheas 
ann  am  bliadhna  fhein  srian  a  chur  air  a 
theangaidh,  oir  is  e  sin  leasan  cho  duilich 
ionnsachadh  's  a  tha  ann  idir,  agus  tha  na 
miltean  air  thalamh  nach  h-ionnsaich  gu 
brath  e.  Gu  la  am  bais  tha  iad  a'  tuis- 
leachadh  le  'm  beul,  agus  a'  toirt  oilbheim  do 
Dhia  le  'n  teangaidh. 

Tha.  fichead  doigh  ann  anns  am  f  aod  daoine 
peacachadh  le  'n  teangaidh,  ach  is  e  an  da 
dhoigh  anns  an  trice  am  bheil  iad  'g  a 
dheanamh,  le  breugan  agus  le  mionnan.  Mar 
tha  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  ag  inns- 
eadh  dhuinn,  tha  cuid  de  pheacaidhean  na's 
miosa  na  cuid  eile,  ach  is  e  am  breugaire 
fior  cheann  feadhna  nam  peacach.  Ged 
nach  maith  an  rud  e  ann  an  duine  air  bith 
a  bhi  cas  'n  a  nadur,  no  trom  air  an  uisge- 
bheatha,  no  leasg  gu  obair,  no  aotrum  'n  a 
sheann  aois,  faodaidh  na  failingean  mora 
sin  a  bhi  ann  an  daoine  anns  am  bheil  ioniadh 
rud  a  tha  grinn  is  maith,  ach  an  uair  nach 
'eil  an  fhirinn  anns  an  taobh-a-stigh,  agus 
a  tha  duine  air  a  thoirt  suas  do  na  breugan, 
tha  spiorad  an  Tighearna  'ga  fhagail.  Gle 
bhitheanta  chi  sibh  ubldan  agus  meang  annta, 
spot  beag  a  tha  fas  bog,  ach  cha  'n  'eil  am 
meang  a'  dol  a  steach  ro  fhada  agus  gal)h- 
aidh  iad  itheadh  maith  gu  leoii'.  Sin  mar 
a  tha  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  air 
thalamh  ;  tha  meang  annta  ach  air  a  shon 
sin  tha  fallaineachd  annta  cuideachd,  agus 
is  urrainn  do  Dhia  feum  a  dheanamh  dhiubh 
ann  an  ol)air  an  t-saoghail  agus  ann  an  obair 
na  h-e<aglais.  Ach  tlia  na  breugairean 
coltacli  ri  iibhlan  a  tha  oroi]  a  rlh'  ionnsuidb 


a  chridhe  ;  idjhlan  nach  gabh  bias  a  chur 
orra  ciod  air  bith  e  ni  thu  riu,  agus  anns 
nach  'eil  feum  air  bith  ach  a  bhi  air  an 
tilgeil  air  an  dunan. 

Bu  mhaith  leam  innseadh  dhuibh,  a  chlann, 
cuid  de  na  nithean  a  tha  facal  an  Tighearna 
ag  radh  mu  bhreugan,  agus  mu  luchd-innsidh 
nam  breug. 

Tha  an  t-abstol  Eoin  a'  cur  nam  breug  aii' 
an  aon  ghad  ris  na  peacaidhean  oillteil  so, 
mort,  striopachas,  druidheachd'  iodhol- 
aoraidh,  agus  am  measg  nan  daoine  a  tha  e 
ag  radh  nach  fhaigh  a  steach  do  neamh  tha 
e  ag  ainmeachadh  "  gach  neach  a  ghradh- 
aicheas  agus  a  ni  breug."  Tha  am^Biobull 
ag  radh  gur  e  Satan  athair  nam  breug,  air 
chor  agus  gu'm  faodar  a  radh  ann  an  <la 
rlreadh  gur  h-e  clann  Shatain  a  tha  annta- 
san  a  bhios  ag  innseadh  bhreug.  Is  e  Satan 
a  dh'  innis  a'  cheud  bhreug,  air  a  bheil 
cunntas  againn,  an  uair  a  thug  e  air  Eubh 
a  chreidsinn  nach  eireadh  olc  dhi  ged  a 
dheanadh  i  an  rud  a  thoirmisg  Dia.  Agus 
is  e  Cain  a  dh'  innis  an  ath  breug  anns  a' 
Bhiobull  ;  nach  e  sin  an  dithis  mu  dheireadh 
air  an  t-saoghal  a  bu  mhaith  leibh  an  eise- 
impleir  a  leantuinn,   Satan  agus  Cain? 

Ann  am  Facal  an  Tighearna  tha  da  naigh- 
eachd  uamhasach  air  an  innseadh  mu 
dhaoine  air  an  tug  Dia  breitheanas  air  sou 
nam  breug,  Gehasi  anns  an  t-Seann  Tiom- 
nadh,  is  Ananias  agus  Saphira  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh.  Theagamh  gu  bheil 
daoine  anns  an  t-,saoghal  an  diugh  a  tha 
cheart  cho  neo-choguiseach  agus  cho  breug- 
ach  ri  Gehasi  no  ri  Ananias,  ach  a  tha 
faotainn  leo  gun  bhreitheanas  air  bith  a 
thighinn  orra,  ach  ged  tha  Dia  faighidinn- 
each  agus  ged  nach  'eil  e  a'  toirt  luigheachd 
dhuinn  a  reir  ar  n-eucearta  bithibh-se 
cinnteach,  a  chlann,  gur  e  tuarasdal  a'  pheac- 
aidh  daonnan  am  bas ;  bas  an  anma,  bas 
nan  uile  bhuadhan  maith  is  uasal  a  chuir  Dia 
ann  an  anam  an  duine. 

Tha  cuid  de  bhreugan  ann  is  miosa  na 
cheile ;  cha  b'  urrainn  Satan  fhein,  athair 
nam  b]-eug,  breug  a  bu  dalma  innseadh  na 
bhreug  a  dh'  innis  Ananias  do  Pheadar.  Dh' 
fheuch  e  i-is  a'  char  a  thoirt  cha  'n  e  mhain 
as  na  h-abstoil  ach  as  an  Spiorad  Naomh 
fein.  Ach  cha  mheallar  Dia,  oir  tha  suilean 
an  Tighearna  mar  mhile  coinneal  agus  ranns- 
aichidh  iad  seomraichean  dlornhair  a 
chridhe. 

Bha  fear  de  na  seann  Mhoiairean  Dearga 
ag  radh  an  la  roimlie  gu  blioil  barrachd 
lihreug  ail-  an  innseadh  an  diu^'h  le  Hanuisean 


anil  an  Cuirt  an  t-Seisein  na  bha  air  an 
innseadh  innte  an  uair  a  bha  esan  og;  nach 
'eil  eagal  air  daoine  mar-  a  b'  abhaist  a  bhi 
orra  fianuis-bhreige  a  tlioirt  seachad  ann  am 
bocsa  nam  mionn.  Cha  b'  nrrainn  comli- 
arradli  a  bu  mhiosa  a  blri  air  rioghaclid  air 
bith  na  gu'n  cailleadh  an  sluagh  urram  do'n 
fhlrinn.  An  duine  a  tha  gun  urram  do'n 
fhirinn  tha  e  gun  urram  do  Dhia  oir  is  e 
Dia  athair  na  firinn. 

Chuala  sibh,  a  chlann,  am  facal  teanga 
shalach.  Tha  an  teanga  salacb  an  uair  a  tha 
i  air  a  h-uiisineachadh  ann  an  seirbhis  a' 
pheacaidh.  Chuala  mi  iomradh  air  baiach 
a  chaidh  ^  shealltuinn  a  sheanmhathar ;  gus 
a  leigeil  fhaicinn  d'a  sheanmhathair  clio  mor 
's  a  bha  e  air  fas  thoisich  am  baiach  air  a 
sheanchas  a  shailleadh  le  mionnan  is  droch 
cainnt.  Cha  b'e  trod  ris  a  rinn  a  sheanmh- 
athair idir,  ach  dh'eirich  i  is  fhuair  i  mias 
uifege,  agus  searadoiir,  agus  siapann,  agus 
dh'iarr  i  air  a  bheul  's  a  theanga  a  nigheadh. 
Sin  na  thubhairt  i,  ach  fhuair  an  gille  ud 
leasan  nach  do  dhichuimhnich  e  gu  brath. 

Tha  daoine  a  bhios  a'  mionnachadh  agus 
a'  gairni  air  ainm  an  Tighearna  ann  an 
diomhanas  a'  nochdadh  gu  soilleir  nach  'eil 
urram  no  eagal  diadhaidh  'n  an  cridhe;  tha 
iad  ag  innseadh  do'n  t-saoghal  nach  'eil 
annta  fhein  ach  na  trusdairean  gun  ghrin- 
neas  'n  an  cainnt  no  'n  am  faireadiduinn.  Is 
gasda  an  rud  e,  gu'n  rachadh  aig  duine  air 
a  sheanchas  a  shailleadh  le  geiread  is  abhacas 
is  dibhearsoin  laghach,  ach  mur  bheil  dad 
aige  leis  an  saill  e  a  sheanchas  ach  mionnan 
is  guidheachan  is  draosdachd,  b'  fhearr  dha 
fhein  agus  do  dhaoine  eile  gu'n  do  rinn  Dia 
balbhan  dheth. 

Tha  6  air  a  radh  gu  bheil  saighdearan 
agus  seoladairean  na's  truime  air  na  mionnan 
na  daoine  eile,  ach  ma  tha  iad  mar  sin  an 
diugh,  bu  mhaith  leam  innseadh  dhuibh  mu 
sheann  seoladair  a  bha  air  atharrachadh, 
Sir  Walter  Ivaleigh,  a  bha  'n  a  chomanndair 
ail'  cablilach  Bhieatuinn  anns  a'  bhliadhna 
1617.  B'e  so  na  h-6rdain  a  thug  e  do  na 
sgiohairean  a  bha  foidhe. 

(1)  Biodh  aoradh  agaihli  air  hord  a  h-ulle 
latlia,  anns  a'  mhadtiinn  agus  anns  an 
jhcaxgar  ;  a  h-iiile  feasgar  biodh  ainm  an 
T iglicarna  <iir  a  mholadh  h ihh  ann  an  salm, 
()ir  rrs'  ciKjDihu'ix  hcd n luichd  an  Tighearna  cha 
so/rh/i/ch  iii  air  hith  a  gluihhar  as  laimh  air 
1)1  uir  vo  air   tir. 

(2)  Thnirihh  an  aire  iiach  gairmear  air 
ainm,  an  Tighi-arna  ann  an  diomhanais  air 
an  luing.  Ma  ni  neach  air  hifh  sin,  agus 
nach  sfad  e  de  'n  droch  eldeachdodh,  an 
dhdh  rahhaidli  fhaoiainv ,  hiodh  e  air  a. 
fJiiimadh  n'livs  an  ilniirgi'  hlio  rhcavv  qui 
shtife.  Ma  Ilia  nudhtchd  an  Tirihrarna  air 
aiit-conihn n lilli  an  aingidh  agi/s  air  liifh  nam 


mionn,  nach  motha  gu  indr  a  bhios  mallachd 
an  Tighearna  air  bdta  nam  mionn. 

Nach  bu  mhaith  an  gnothuch  na'n  robh 
na  riaghailtean  sin  air  an  gleidheadh  ann 
an  soithichean-cogaidh  Bhreatuinn  an  diugh, 
agus  anns  gach  bata  a  tha  dol  gu  muir  ! 

Tha  daoine  a'  deanamh  peacaidh  le  'n 
teangaidh  air  iomadh  doigh  eile  cuideachd, 
gu  sonruichte  ma  tha  iad  luath  'n  an 
teangaidh,  oir  tha  facal  an  Tighearna  ag 
radh,  ."Ann  an  lionmhoireachd  bhriathran 
cha  bhithear  saor  o  pheacadh  ;  ach  tha  esan 
a  choisgeas  a  bhilean  glic. "  Bithibh-se  glic, 
a  chlann,  agus  cuiribh  roimhibh  ann  an  tiis 
'ur  toiseachaidh  breugan  is  mionnan  is  cainnt 
shalach  a  sheachnadh,  agus  ar  bilean  a  cho- 
isrigeadh  do  sheirbhis  Dhe. 


ANNS  A'  CHATHAIR. 

Mar  a  dh'  innis  mi  dhuibh  cheana  bha 
Calum  Domhnullach,  beadall  na  h-eaglais  ann 
an  Cille-Sgumain,  'na  dhuine  firinneach, 
neO'-eisiomaileach ;  cha'n  abradh  e  uair  air 
bith  ach  an  rud  a  bha  'n  a  inntinn.  La  Sabaid 
a  thachair  an  Coirneal  air  agus  e  a'  dol  air 
cheilidh  air  a'  Chaiptein  Dhubh  aig  uair  a 
bu  choir  dhaibh  le  cheile  a  bhi  dol  do'n 
eaglajs,  thuirt  e  ri  Calum,  "  Theagamh  gu'n 
saoil  thusa,  a  Chaluim,  gur  peacach  dhomhsa 
dol  seachad  air  dorus  na  h-eaglais."  So  mar 
a  fhreagair  Calum,  "Is  coma  dhuibhse  a 
Choirneil  gu  de  a  shaoileas  beadall  Chille- 
Sgumain,  ach  cha  choma  dhuibh  gu  de  a 
shaoileas  Dia." 

Ann  an  laithean  oige  cha  d'  fhuair  Calum 
moran  sgoile,  ach  air  a  shon  sin  bha  inntinn 
aige  a  bu  gheire  agus  a  b'  fhosgailte  na  bha 
aig  a'  chuid  mhor  cie  Chleir  lunuile,  ged  a 
fhuair  iad  Ian  an  cinn  de  sgoil.  Tha  sin  a' 
tachairt  trie  gu  leoir,  gu  bheil  barrachd  tiiir 
anns  a'  bheadall  na  tha  anns  a'  mhinisteir. 
Cha  chuir  sgoil  tiir  ann  an  duine  anns  nach 
'eil  e  gill  nadurra  ;  tha  seorsachan  dhaoine 
ann  agus  ged  gheibheadh  iad  fichead  bliadhna 
ann  an  CoUaiste  cha'n  fhasadh  'ii  an 
inntinnean  ach  an  coirce-madaidh.  Bliiodh 
Calum  daonnan  a'  leughadh,  air  clior  agus 
gu  robh  e  'ga  ionnsachadh  fein  uile  laithean 
a  bheatha,  agus  cha'n  e  mhain  gu'm  biodh  e 
a'  leughadh  ach  bhiodh  e  a'  cnuasachadh  'na 
inntinn  fein  air  na  bha  e  a'  leughadh  agus 
a'  cluinntinn.  Mar  sin  bha  a  bhuadhan 
air  an  cleachdadh  ri  eadar-dhealachadh  a 
chur  eadar  an  fhirinn  agus  nithean  air  nach 
'eil  dreach  na  firinn,  agus  b'  urrainn  da 
breith  chothroniach  a  thabhairt  ann  an 
iomadh  ciiis  anns  am  faodadh  diadhairean 
fhein  dol  air  seachran. 

La  a  blia  sinn  'n  ar  suidhe  combla  anns  a' 
chladh   thuirt  e  rium,    "  Am  bi  thusa   'n   ad 


eaglais  fliein  uair  air  bith  ag  innseadli  do'n 
ehoimhthional  mar  a  fhuaradli  am  Biobidl, 
eo  a  sgriobh  6  agus  ciamar  a  bha  e  air  a  chur 
an  altaibh  a  cheile. " 

"  Bithidh,"  arsa  mise ;  "  tha  e  iomchuidh 
gu'm  biodh  eolas  nan  nitliean  sin  aig  a  li-uile 
duine  a  tiia  creidsinn  anns  a'  Bhiobull,  agus 
gu  sonruichte  aig  an  oigridh  a  tha  dol  a  macli 
do  na  bailtean  mora  far  an  cluinn  iad  aig 
gach  oisein  sraide  daoine  a'  cur  sios  air  a' 
Bhiobull,  agus  a'  teagasg  nach  'eil  ann  ach 
faoin-sgeulachdan. ' ' 

"  Sin  mo  bheachd  fhein  cuideachd,"  arsa 
Calum,  "  ach  a  bheil  fhios  agad  nach  cuala 
mi  riamh  ann  an  eaglais  Chille-Sgumain, 
ged  tha  mi  a'  dol  innte  bho  chionn  tri  fichead 
bliadhna,  aon  fhacal  a  chuireadh  solus 
dhuinn  air  a'  Bhiobull,  no  air  an  doigh  anns 
an  robh  e  air  a  chur  ri  cheile.  Bidh  so  a' 
cur  iongantais  orm,  oir  tha  mi  a'  leughadh 
anns  na  paipearan-naigheachd  gun  sgur, 
agus  ann  an  leabhraichean  cuideachd,  gu 
bheil  beaehdan  ura  aig  daoine  an  diugh 
mu'n  Bhiobull  nach  robh  aca  an  uair  a  bha 
mise  6g.  Shaoilinn  gu'm  bu  choir  do  na 
ministearan  an  gnothuch  so  a  shoilleir- 
eachadh  do'n  t-sluagh  agus  innseadh  dhaibh 
gu  reidh  pongail  gu  de  a  tha  na  h-ard- 
sgoilearan  a'  ciallachadh  leis  na  bhios  iad  ag 
radh  mu  ughdarras  a'  Bhiobuill.  Tha  B.D. 
aig  a'  mhinisteir  laghach  againne,  an  t- 
Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  agus  tha  iad 
ag  inn,seadh  dhomhsa  nach  fhaigli  duine  air 
bith  B.D.  mur  bheil  a  cheann  air  a  dhinneadh 
le  eolas  gus  nach  gabh  an  corr  cur  ann,  ach 
ma  tha  sin  aige,  cha  tug  e  dad  dhuinne  nach 
robh  againn  roimhe,  agus  air  soai  na  chuala 
sinn  riamh  bhuaith  mu'n  Bhiobull  dh'  fhaod- 
aniaid  a  bhi  cho  aineolach  uime  ris  na 
Hottentots.  Bidh  e  a'  leughadh  da  chaibideil 
as  a  h-uile  Sabaid,  te  as  an  t-Seann  Tiomnadh 
agus  te  as  an  Tiomnadh  Nuadh,  ach  ged  a 
bhios  na  Sgriobturan  sin  air  uairean  cho 
dorcha  ri  dubh-fhacail  Choinnicli  Odhair 
cha  chuala  mi  riamh  e  a'  deanamh  mlneach- 
aidh  orra,  agus  ciod  air  bith  an  ceann- 
teagaisg  a  ghabhas  e,  bheir  e  dhuinn  daoiinan 
an  t-aon  searmon,  searmon  gasda  soisgeulach, 
a  cheart  cho  soisgeulach  an  la  a  bhios  e  a' 
bruidhinn  mu  thairbh  no  mu  reitheachan 
ann  an  Lebhiticus,  no  mu  chraicinn  bliroc 
is  fionnadh  ghabhar  ann  an  Ecsodus,  's  a 
bhitheas  e  an  la  a  bhios  e  a'  bruidhinn  mu 
aran  na  beatha  no  mu'n  Bhuachaille  mhaith 
ann  an  soisgeul  Eoin.  A  bheil  fhios  agad, 
a  mhinisteir,  gu'm  bi  mise  a'  faireachdai.ji 
annam  fhein  gu  bheil  rud-eigin  cearr  'na 
leithid  sin  de  theagasg,  ach  is  duine  gun 
sgoil  mi  agus  cha  'n  urrainn  mi  a  radh  air 
a  I'heann  eind  a  Ilia  ceai'r.  An  innis  tliusa 
dhouiliT' 

"  Theagamh,    a    Chaluim,    nach    'eil    dad 


cearr,  ach  a  mhain  gu  bheil  sibhse  agus 
mise  cuideachd  ann  an  aon  saoghal  agus 
An  t-Urr.  Niall  Mac  Pharlainn,  B.D.,  ann 
an  saoghal  eile,  a  thaobh  oibreachadh  ar  n- 
inntinnean,  ach  ged  nach  toigh  leam-sa  a  bhi 
cluinntinn  shearmonaichean  a'  bruidhinn  air 
rann  mar  so  ann  an  Dan  Sholaimh,  Tha  do 
dha  chich  mar  dlia  inheann  earba,  cdraid  na 
maoislich,  a  dh'  ionaltras  am  rneasg  nan  lili, 
mar  gu'm  biodh  firinnean  luachmhor  an  t- 
soisgeil  air  am  filleadh  a  steach  innte,  feum- 
aidh  mi  aideachadh  aig  a'  cheart  am  gu'm 
bu  toigh  le  diadhaii'ean  nach  h-airidh  mise 
air  barr-iall  am  brogan  fhuasgiadh  an  doigh 
sin.  Bhiodh  na  seann  diadhairean  mora, 
Origen  agus  Augustine,  ag  eigneachadli  nan 
Sgriobturan  a  cheart  cho  mhaith  ri  ministeir 
Chille-Sgumain  agus  a'  faotainn  firinnean  an 
t-soisgeil  gu  sandilachail  anns  an  t-Seann 
Tiomnadh.  B'e  an  t-aobhar  gu'n  robh  iad  a' 
deanamh  sin,  nach  do  thuig  iad  gu  ceart  nach 
e  aon  lealjhar  no  aon  ghuth  a  tha  anns  a'  Bhio- 
bull idir,  (irli  (/u''n  do  labhair  Dia  gu  ■minic 
agus  air  inmtulh  doigh,  agus  gu'n  do  labhair 
e  anns  na  Idithtan  deireannacli  le  a  Mhac. 
Cha  'n  e  aon  leabhar  a, tha  againn  anns  a' 
Bhiobull  ach  tri  fichead  leabhar  agus  a  tri ; 
cuid  dhiubh  air  an  sgriobhadh  mile  bliadhna 
roimh  chach ;  cuid  dhiubh  air  an  sgriobhadh 
le  sagartan  is  cuid  dhiubh  le  faidhean  ;  cuid 
le  ciobairean  is  cuid  le  baird  ;  cuid  dhiubh 
le  feallsanaich  is  cuid  dhiubh  le  daoine  gun 
sgoil  gun  ionnsachadh.  Aig  aon  am  bha  duil 
aig  daoine  gur  e  corrag  dheas  an  Tighearna 
a  sgriobh  a  h-uile  faeal  anns  a'  Bhiobull,  agus 
mar  sin  nach  robh  mearachd  ann  bho  cheann 
gu  ceann.  Agus  an  diugh  fhathast  bidh 
daoine  nach  'eil  a'  cleachdadh  am  briathran 
a  thomhas  a'  labhairt  air  an  sgriobtur  mar 
fhacal  nach  gabh  briseadh  agus  nach  h-urr- 
ainnear  cur  'n  a  aghaidh.  Bhiodh  sin  ceart 
a'u  leoir  na'n  robh  iad  a'  ciallachadh  leis  an 
Sgi-iobtui'  teagasg  is  foillseachadh  an  Tigh- 
earna losa,  agus  na  tha  a  reir  sin,  ach  tha 
e  fada  cearr  ma  tha  iad  a'  ciallachadh  leis 
an  sgriobtur  a  h-uile  facal  a  tha  anns  a  Bhio- 
bull. Tha  nithean  anns  a'  Bhiobull  a  chuir 
Criosd  fein  'n  an  aghaidh ;  laghannan  mu 
ghloine  agus  neo-ghloine,  laghannan  mu 
choimhead  na  Sabaid,  a  chuir  e  an  suarachas. 
Fhuaii-  na  Pharasaich  coire  dha  a  chionn 
gu'n  robh  e  a'  briseadh  nan  sgriobturan 
naomha,  oir  bha  iad  fhein  a'  leantuinn  gu 
litireil  riii,  ach  bu  bheag  aig  losa  litir  an 
lagha  an  coimeas  ri  spinrad  na  diadhaidh- 
eachd. ' ' 

"  Ma  tha  e  fior,"  arsa  Calum,  "  mar  a 
tliubhairt  thu,  gu  bheil  mile  bliadhna  eadar 
cuid  de  leabhraichean  a'  Bhiobuill  shaoilinn 
gu'm  biodh  solus  na  firinn  na  bu  dcalraiche 
anns  an  fhea<lliainn  mu  dheireadh  na  tha  e 
anns  an  fheadhainn  a  bha  air  an  sgriobhadh 


an  toiseach,  oir  tha  adhartas  a'  tighinn  air 
an  t-saoghal  anns  gach  linn  a  thaobh  ealain 
eile,  agus  shaoilinn  gu'm  biodh  adhartas  a' 
tighinn  air  fiosrachadh  dhaoine  mu  nadur 
agus  mu  dhoighean  an  Tighearna.  An  uair 
a  bhios  mise  a'  leughadh  a'  Bliiobuill  dhomh 
fliein  bidh  mi  gle  thric  a'  faireachduinn 
nach  6  an  t-aon  seorsa  dhaoine  a  tha  tach^ 
airt  orm  anns  an  t-Seann  Tiomnadh  's  a  tha 
tachairt  orm  an  uair  a  ruigeas  mi  Gniomh- 
aran  nan  Abstol,  agus  nach  e  an  aon  chainnt 
a  tha  iad  a'  labhairt.  Tha  caoban  mora  ann 
an  Genesis  agus  anns  na  leabhraichean  eile 
a  tha  eadar  sin  agus  eachdraidh  nan  Rlgh- 
rean  nach  'eil  mi  a'  tuigsinn  gu  ceart  idir ; 
air  uairean  saoilidh  mi  nach  'eil  anns  na 
daoine  a  tha  air  an  ainmeachadh  annta  ach 
leanaban  a  thaobh  nithean  spioradail,  ach 
an  ath  mhionaid  thig  an  smuain  thugam,  Co 
thusa  gu'n  gabhadh  tu  ort  fhein  sdn  a  radh? 
A  thuilleadh  air  sin  bidh  mi  a'  cluinntinn 
luchd-teagaisg  diadhaidh  a'  labhairt  mu 
Abraham  agus  mu  lacob  agus  mu  Ghideon 
mar  gu'n  robh  iad  fada  fada  air  thoiseach 
air  diadhairean  an  latha  diugh  anns  an  eolas 
a  bha  aca  mu  ruintean  agus  mu  dhoighean 
an  Tighearna." 

"  Theagamh  gu'm  bi  sibh  a'  cluinntinn 
sin,  a  Chaluim,  ach  ma  bhitheas,  cha  'n  'eil 
ann  ach  seanchas  gun  bhun  gun  bharr.  Cha 
robh  ann  an  Abraham  ach  am  paisde  gu 
spioradail  ann  an  coimeas  ri  naoimh  an 
Tiomnaidh  Nviaidh,  agus  ann  an  coimeasi  ri 
naoimh  a  tha  beo  an  diugh.  Cha  'n  fhaca 
Abraliam  no  Jacob  ach  deo  beag  de'n  t-solus 
ata  o  shuas,  oir  bha  iad  beo  ann  an  6g- 
mhaduinn  an  t-saoghail  mu'n  d'  eirich  Grian 
na  fireantachd.  xiig  aon  am  bha  daoine  an 
duil  gu'n  d'  fhoillsich  Dia  e  fein  gu  h-iomlan 
do  na  h-aithrichean  a  bha  beo  anns  na  ceud 
linntean,  Adhamh  agus  Noah  agus  Enoch ; 
gu'n  tug  e  dhaibh  an  creideamh  'n  a  ghloine 
agus  'n  a  lanachd,  ach  an  sin  gu'n  do  thuit 
an  cinneadh-daonna  air  falbh  bho  eolas  na 
firinn  agus  gu'n  do  laigh  dorchadas  orra, 
dorchadas  nach  robh  orra  bho  thus.  Ach 
cha  'n  ann  mar  sin  idir  a  dh'  fhoillsich  Dia 
e  fein  ;  thug  e  an  solus  do'n  t-saoghal  uigh 
ar  n-uigh,  lion  beag  is  beag;  ann  an  eachd- 
raidh Israeli  agus  ann  an  leabhraichean  a' 
Bhiobuill  tha  e  furasda  gu  leoir  do  sgoilearan 
fhaicinn  mar  bha  sluagh  an  Tighearna  air 
an  soilleireachadh  leis  an  Spiorad  Naomh 
linn  as  deidh  linn.  Tha  sinn  uile  an  diugh 
a'  ci'eidsinn  anns  a'  bheatha  mhaireannaich 
ach  bha  moran  de  naoimh  an  t-Seann  Tiomn- 
aidh marbh  na  oeudan  bliadhna  m'an  do 
ghreimich  an  cinneadh-daonna  air  an  dochas 
bheannaichte  sin.  Tha  cuimhne  agaibh  ciod 
a  tha  an  duine  a  sgriobh  leabhar  Frrlefsiaatex 
ao-  radh  :  — 


An  ni  a  thachras  do  chloinn  nan  daoine. 
tachiaidh  e  do  na  h-aimnhidhean ;  mar  a  dli 
eagas  aon  diuhh,  is  ann  ma?-  sin  a  dh'  euyas 
an  t-aon  eile ;  seadh  is  i  an  aon  anail  a  tha 
aca  uile;  agus  cha  'n  'eil  harrachd  aig  duine 
air  ainmhidh,  oir  is  diomhanas  iad  uile  : — 
Ecclesiastes. 

Bha  an  duine  a  sgriobh  na  briathran  sin 
gun  dochas  cinnteach  air  bith  gu'n  robh  na 
maribh  fo  churam  an  Tighearna,  ach  an  uair 
a  dhimas  tu  leabhraichean  an  t-Seann  Tiomn- 
aidh agusi  a  dh'  fhosglas  tu  litrichean  Phoil 
no  litrichean  Pheadair,  tha  thu  mar  gu'm 
biodh  tu  ann  an  saoghal  eile,  ann  an  saoghal 
ur. 

Oir  is  eigin  do'n  chorp  thruaillidh  so  neo- 
thruaillidheachd  a  chur  uime  agus  do'n 
chorp  hhdsmhor  so  7ieo-hhksmhorachd  a  chur 
uime.  Agus  an  uair  a  chuireas  an  corp 
truailhdh  so  neo-thruaillidheachd  uime,  agus 
a  chuireas  an  corp  hdsmhor  so  neo-hhksmlbor- 
achd  uime,  an  sin  coimhlionar  am  facal  a  ta 
sgriohhta,  Shluigeadh  suas  am  has  le  huaidh. 
0  hhais,  c'dite  am  bheil  do  ghath.  0  uaigh, 
c'dite    am    hheil   do    ^huaidh  :      Pol. 

"  Tha,  sin  soilleir  gu  leoir  dhomhsa,"  arsa 
Calum,  "  is  iomadh  uair  a  bhi  mi  a'  smuain- 
eachadh  'n  am  inntinn  fhein  nach  'eil  e  ceart 
do  dhaoine  a  bhi  toirt  uiread  geill  do  rudan 
neonach  gun  fheum  anns  an  t-Seann  Tiomn- 
adh 's  a  bheir  iad  do  bhriathran  an  Abstoil 
Eoin  no  do  bhriathran  an  Tighearna  fein. 
A  dh'  innseadh  na  firinn  bhithinn  gle  choma 
ged  bhiodh  cuid  mhaith  de'n  t-Seann  Tiomn- 
adh air  fhagail  a  mach  as  a'  BhiobuU  uile  gu 
leir  oir  tha  facal  o'n  Tighearna  againn  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  as  iiire  agus  as  fhearr 
na  'm  facal  a  fhuair  na  h-aithrichean  mile 
bliadhna  roimh  theachd  Chriosd.  An  uair  a 
tha  balach  a'  fas,  cha  dean  an  t-aodach  a 
bha  aige  an  uiridh  feum  dha  am  bliadhna  ; 
tha  e  a'  fas  a  mach  as.  Sin  mar  tha  mise 
an  duil  a  tha  an  gnothuch  a  thaobh  cuid  de 
na  nithean  a  leughas  mi  ann  an  leabhraich- 
ean an  t-Seann  Tiomnaidh  ;  bha  beachdan  aig 
Maois  is  Abraham  is  Sainison  is  Elias  ris  nach 
h-urrainn  duinne  gabhail  an  diugh  a  chionn 
gu'n  d'  fhas  sinn  a  mach  asda,  agus  gu  bheil 
sinn  ann  an  saoghal  ui',  ach  cha  'n  'eil  sin 
a'  ciallachadh  nach  do  labhair  an  Spiorad 
Naomh  anns  na  daoine  sin.  Labhair  an 
Spiorad  Naomh  annta  gun  teagamh  agus 
gheibhear  a'  chuid  sin  d'  an  teagasg  air  a 
dhaingeachadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh ; 
ach  an  rud  a  bhuineaidh  dhaibh  fein  agus 
d'  an  linn  fein  faodar  sin  a  leigeil  seachad 
mar  na  duilleagan  a  thuiteas  bharr  na 
ci'aoibhe.  Thig  duilleagan  hr  an  ath 
bhliadhna. 


Air.    2. 


1925. 


IRIOSLACHD  NAN  NAOMH. 

Chaiinaic  mi  crioch  gach  iovilain ;  ach  tha 
t'  dithne-sa   ro-fharsuinn  : — Salm.    cxix,  96. 

Ciod  a  tha  an  Salmadair  a'  ciallacliadh 
leis  an  fhacal  so?  Bhiodh  an  smuain  a  bha 
'n  a  innlinn  na  bu  shoilleire  na'n  robh  i 
air  a  cur  anns  an  doigh  so, — Cha  'n  'eil  diiil 
agani  ri  iomlanachd  tuilleadh,  oiv  tha  lagh 
an  Tighearna  anabarrach  donihain.  An  uaii' 
a  bha  e  'n  a  dhuine  6g  bha  a  chridhe  an  geall 
air  naomhachd  agus  iimhlachd  iomlan  do 
reachd  Dhe  ;  bha  duil  aige  gu'n  ruigeadh  e 
air  lanachd  sith  is  solais  a  riaraicbeadh 
'anam ;  ach  mar  a  bha  na  bliadhnachan  a' 
dol  seachad  cha  b'urrainn  da  a  radh  gu  robh 
an  iomlanachd  sin  air  an  robh  a  chridhe  an 
gea,ll  ach  mar  thir  a  bha  fad  as.  Cha  bu  leir 
dha  iomlanachd  ann  fein  no  a  n  an  duine 
eile  fo'n  ghrein.  Anns  na  daoine  a  bvi  ghlice 
bu  leir  dha  tomhas  amaideis  :  anns  na  naoimh 
a  b'  fhearr  bu  leir  dha  freumh  a'  pheacaidh ; 
agus  le  mulad  is  sgiths  spioraid  tha  e  a'  cui' 
fiosrachadh  a  bheatha  anns  an  fhacal  so, 
Iomlanachd  !  c6  a  ruigeas  ort,  oir  tha  lagh  an 
Tighearna  farsuinn  is  domhain  mar  an 
cuan  ? 

Ann  a  bhi  ag  radh  so  cha  'n  'eil  an  Salmad- 
air ag  radh  rud  iir  ;  ach  ged  is  fior  am  facal 
nach  fhaighear  iomlanachd  air  thalamh  cha 
'n  'eil  iadsan  a  ghabhas  am  facal  air  am 
bilean  a'  ciallachadh  gu  bitheanta  an  aon  ni 
leis.  Is  ann  le  irioslachd  is  macantas  a  their 
na  naoimh  nach  'eil  iad  fein  no  daoine  eile 
iomlan,  ach  cha  'n  ann  mar  sin  a  their  iad- 
san a  shuidheas  ann  an  caithir  luchd-fanoid 
e.  Ann  an  siiilean  nan  naomh  tha  nadur  is 
buadhan  mhic  an  duine  Ian  gloir  is  maise, 
ach  is  e  an  coraharradh  cinnteach  leis  am 
faodar  luchd  na  fanoid  aithneachadh,  nach 
leir  dhaibh  maise  no  subhailc  air  bith  ann  am 
beatha  an  co-chreutairean,  agus  nach  eil 
creideas  aca  ann  am  maitheas  duine  beo. 
Their  an  seorsa  dhaoine  so  riut  anns  an  aod- 
ann  nach  d'  amais  ionracan  rianih  orra  agus 
gur  6  a  mhain  clann  is  amadain  a  bhios  ag 
iarraidh  firinn  is  ionracas  air  thalamh. 
Their  iad  gur  e  sin  an  gliocas  a  chruinnich 
iad  bho  fhiosrachadh  am  beatha  fein  agus 
tha  6  dhaibh  mar  ghreim  m.ilis.  Cha  'n  'eil 
creideas  aca  ann  an  treibhdhireas  fhear  no 
ann  nn  onoir  bhan,  agus  ma  chi  iad  ooislas 
na  naomhachd  air  beatha  neach  sam  bith, 
their  iad,  mar  thuirt  an  athair  romhpa, 
nach  ann  a  nasgaidh  a  tha  eagal  Dhe  air  lob. 


Is  maith  leo  a  chreidsinn  nach  ann  air  ghaol 
a'  cheartais  a  tha  an  co-chreutairean  a' 
deanamh  ceartais  aoh  air  ghaol  buannachd 
no  le  ceilg  dhomhain.  Ni  iad  fanoid  air 
osnaidhean  an  aithreachain  agus  air  iir- 
nuiffhean  nan  naomh.  Cha  ruigear  a  leasi  a 
bhi  bruidhinn  ris  an  t-seorsa  dhaoine  so,  oir 
tha  iad  le  comhairle  shuidhichte  a'  dunadh 
an  sid  agus  a'  cruadhachadh  an  cridhe. 
Cha  'n  'eil  e  iongantach  nach  faiceadh  luchd 
na  fanoid  an  taobh  as  fhearr  de  nadur 
dhaoine  eile,  oir  c6  leis  am  bu  mhaith  blaths 
is  caomhalachd  is  gradh  is  diomhaireachd  a 
chridhe  a  leigeil  fhaicinn  do  shuil  fhuar  na 
feadhnach  sin?  Cha  'n  'eil  fios  aca  gur  e 
an  cridhe  amharasach  fein  a  tha  a'  cruth- 
aohadh  an  ui'lc  agiis  na  ceilge  a  tha  iad  a' 
faicinn  'n  an  ooimhearsnaich.  Teichidh  na 
h-ainglean  air  falbh  a  oomunn  sam  bith 
anns  an  suidh  luohd  na  faiioid,  agus  searg- 
aidh  na  fliiraiohean  as  maisiche  a  tha  fas 
ann  an  nadur  an  duine  leis  a'  ghaoith 
ghreannaich  a  tha  tighinn  bhuapa.  Anns 
gach  aite  anns  an  suidh  iad  tha  iad  a'  toirt 
plaighe  'n  an  lorg,  agus  fuadaichidh  iad 
dochas  is  creideamh  is  gradh.  Cha  'n  aran 
na  beatha  ach  puinnsean,  am  briathran.  Ged 
a  bhios  iad  a'  deanamh  uaill  as  an  geiread 
agus  as  an  seoltachd  fein,  agus  ged  a  tha  iad 
an  duil  gur  ann  aca  a  tha  gliocas  an  t- 
saoghail  so  agus  nach  ann  aca-san  aig  a 
bheil  creideas  ann  am  maitheas  agus  ann  an 
onoir  an  co-chreutairean,  is  e  an  fhirinn  gur 
daoine  truagh  baoghalta  iad  nach  d'  amais 
air  slighe  na  beatha,  agus  nach  d'  fhuair 
solus  a'  ghliocais.  Cha  'n  e  ndiain  nach 
'eil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  ionracan  air 
thalamh,  ach  cha  'n  'eil  iad  a'  creidsinn  gu 
bheil  iarraidh  no  ionndrainn  ann  an  cridhe 
sam  bith  air  ionracas;  agus  cha  'n  ann  le 
cridhe  tursach  ach  le  gaire  magail  is 
miohreideach  a  their  iad — "  Chunnaic  sinn 
crioch  gach  iomlain  !"  Ach  ged  tha  am  facal 
sin  fior  ann  fein,  is  breug  e  air  am  bilean- 
san  agus  anns  an  doigh  anns  an  abair  iad  e. 
Cha  robh  an  salmadair  a'  cur  fireantachd 
mhic  an  duine  an  suarrachas  an  uair  a 
sgriobh  e  am  facal  so.  Cha  robh  dad  de 
nadur  luchd  na  fanoid  ann-san  agus  cha  b'e 
cion  earbsa  'n  a  cho-chreutairean  no  cion 
meas  air  fein  a  thug  air  am  facal  a  radh, 
ach  an  fhaireachduinn  a  bha  aige  air  mor- 
achd  is  naomhachd  Dhe.  Chunnaic  e  seall- 
adh  air  an  Rlgh  'n  a  mhaise  is  cha  bu  leir 
dha  maise  ann  fein  tuilleadh.  An  uair  nach 
b'  aithne  dha  Dia  ach  le  eisdeachd  na  cluaise 


bha  e  toiliohte  le  a  staid,  ach  air  dha  Dia 
fhaicinn  le  shuil  ghabh  e  grain  dheth  fein 
agus  rinn  e  aithreachas  anns  an  duslaich. 
An  uair  a  dh'  fhosgail  spioa-ad  Dhe  a  shiiil- 
ean  agus  a  chunnaic  e  airde  is  doinihne  is 
farsuingeachd  an  lagha  oha  b'  urrainn  da 
radh  ach  so, — Co  a  tha  foghainteach  chum 
na  nithean  sin?  Anns  gach  rann  de'n  t-sahn 
so  tha  e  a'  cur  an  ceill  a  ghraidh  a  bha  aige 
do  lagh  an  Tighearna  agus  an  t-iarrtus  a 
bha  aige  air  umhlachd  a  thoirt  da.  "  Cia 
ionmhuinn  learn  do  lagh?  gach  la  is  e  mo 
smuaineachadh."  "Is  e  do  lagh  mo  thlachd 
agus  is  annsa  leam  t'  aitheantan  na  'n  t-6r." 
"0,  nach  robh  mo  cheumanna  air  an  stiiir- 
adh  eJium  do  reachdan  a  choimhead."  "  Tha 
mo  shiiilean  air  an  caitheadh  le  bhi  sealltuinn 
air  son  do  shlainte."  "Ghabh  mi  do 
theisteis  mar  oighreachd  gu  brath  ;  oir  is  iad 
aoibhneas  mo  chridhe."  Ach  mar  a  bu 
mhotha  'eolas  air  lagh  Dhe  agus  a  bu  mbotha 
'ionndrainn  air  an  t-seorsa  beatha  a  bha  an 
lagh  ag  aithneadh,  is  ann  a  bu  gheire  a 
mhothachadh  air  a  lochdan  fein.  Mar  a  b' 
airde  a  bha  e  ag  eirigh  agus  a  bu  dluithe  a 
bha  e  a'  faotainn  air  iomlanachd,  is  ann  a 
bu  lugha  a  dhochas  gu'n  ruigeadh  e  gu  brath 
air  foirfeachd.  Tuigidh  iadsan  a  tha  dur- 
achdach  anns  a'  bheatha  spioradail  ciod  a 
bha  an  Salmadair  a'  oiallachadh  oir  is  aithne 
dhaibh  annta  fein  a'  cheart  fhaireachduinn 
so.  'Nuair  a  thoisich  iad  air  an  reis  a  ruith 
shaoil  iad  gu'n  ruigeadh  iad  an  ceann  uidhe 
ann  an  uine  ghoirid  ach  tha  iad  cho  fada  o 
iomlanachd  an  diugh  fhathast  's  a  bha  iad 
riamh,  air  chor  agus  nach  urrainn  daibh  a 
radh  ach  mar  thuirt  Pol,  "Cha  'n  e  gu'n  d' 
]-ainig  mi  cheana  no  gu  bheil  mi  cheana 
foirfe,  ach  tha  mi  a'  leantuinn  air  m'  agh- 
aidh."  Ged  is  neonach  e  r'a  radh,  cha  'n  e 
an  t-aingidh  ach  am  firean  aig  a  bheil  am 
mothachadh  as  geire  air  olcas  a  chridhe. 
Tha  6  'n  a  chuis-iongantais  do  dhaoine  aig 
nach  'eil  inntinn  spioradail  no  suim  do 
lagh  an  Tighearna,  gur  e  an  fheadhainn  a 
shaoileadh  iad  as  lugha  cionta  as  motha  a 
dh'  aidicheas  an  cionta  ;  tha  e  'n  a  iongantas 
daibh  gu'm  biodh  Pol  ag  osnaich  'nuair  a 
tha  Nero  a'  fidhleireachd.  x\m  feadh  's  a 
tha  na  daoine  aig  a  bheil  an  cuibhrionn  uile 
anns  an  t-saoghal  so  Ian  thoilichte  leo  fein  ; 
a'  mealtainn  fois  is  comhfhurtachd  anma, 
tha  na  naoimh  a'  gluasad  gu  foil  uile 
bhliadhnachan  am  beatha  le  h-amhghar 
anma,  ag  aideachadh  an  teachd-gearr,  ag 
urnuigh  agus  ag  asluchadh  nach  treig  faigh- 
idin  is  trocair  Dhe  iad.  Air  dhaibh  seasamh 
ann  an  solusi  Dhe  agus  aon  sealladh  fhaot- 
ainn  air  morachd  is  maise  is  iomlanachd  an 
Ti   ris   a   bheil   an   gnothuch,    chaill   iad   an 


uabhar  agus  am  fein-speis  agus  chunnaic  iad 
crioch  gach  ioiidain.  Is  e  so'  a'  phris  a 
phaighear  air  son  plathadh  fhaotainn  de 
ghloir  nan  neamh,  ach  is  fhearr  do  dhuine 
gluasad  uile  laithean  a  bheatha  le  cridhe 
briste  is  bruite  seach  a  shuilean  a  bhi  air  an 
dunadh  air  chor  's  nach  fhaic  e  an  airde 
agus  a'  ghloir  a  tha  os  a  chionn.  'Nuair  a 
chunnaic  an  t-abstol  Eoin  gloir  an  Tighearna 
ann  an  eilein  Phatmois  thuit  e  aig  a  chasan 
an  riochd  mairbh.  Cha  do  rinneadh  am 
Facal  fhathast  'n  a  fheoil  ann  an  laithean 
an  t-Salmadair  ach  thainig  facal  an  Tigh- 
earna 'g  a  ionnsuidh  air  mhodh  eile,  agus 
'nuair  a  thuig  e  leud  is  airde  an  lagha  sin, 
chriom  e  a  cbeann  agus  thubhairt  e,  cha  'n 
ann  le  h-aotromas  no  le  searbhadas  cridhe 
ach  le  irioslachd  is  eagal  diadhaidh,  Chunn- 
aic mi  crioch  gach  iomlain. 


CRIOSD  AGUS  CAIAPHAS. 

"  Ciamar  a  bhios  gliocas  aig  daoine,"  arsa 
mise,  "a  tha  cur  seachad  am  beatha  a'  riagh- 
ladh  OS  cionn  dhaoine  eile?  Nach  mill 
riaghladaireachd  gliocas?" 

Sheall  Caiaphas  orm  mar  gu'n  labhrainn 
toibheum  ach  is  e  a  thubhairt  e,  "A  bheil 
losa  a'  teagasg  amaideachd  de'n  t-seorsa 
sin." 

"  Bu  mhaith  le  losa,"  arsa  mise,  "  gu'n 
teagaisgeadh  na  daoine  a  tha  glic  iadsan  a 
tha  aineolach,  agus  gu'n  cuidicheadh  na 
daoine  a  tha  laidir  iadsan  a  tha  lag." 

Bha  Caiaphas  'na  thosd  mionaid  no  dha, 
ach  an  sin  labhair  e  gu  cas  mar  gu'm  bioclh 
e  a'  call  fhaighidinn  rium.  "  Ciamar  a 
sheasadh  a  leithid  sin  de  rioghachd?  Cha  'n 
aithne  do  losa  nadur  mhic  an  duine  ;  cha  'n 
aithne  dha  an  t-olc  agus  an  t-eud,  an  gamhlas 
agus  an  gion,  am  fuath  agiis  am  farmad,  a 
tha  ann  an  cridheachan  dhaoine,  agus.  na'm 
faigheadh  iad  an  t-saorsa  a  tha  esan  air  son 
a  thoirt  daibh  cha  seasadh  an  Staid  aon 
bhliadhna ;  rachadh  gach  ni  ])urraich  air 
tharraich ;  cha  bhiodh  urram  aig  daoine 
do'n  lagh  ;  bhiodh  lagh  dha  fein  aig  a  h-uile 
duine  agus  cha  'n  fhaighteadh  duine  idir  a 
dheanamh  obaii'.  Cieid  thusa  mise  gu'm 
feum  riagldadh  a  bhi  ann  an  landian  glic  is 
laidir,  ma  tha  sith  ri  bhi  air  a  mealtainn." 

Labhair  Caiaphas  mar  nach  gabhadh  a' 
chuis  a  bhi  air  athan-achadh  doigh  seach  mar 
a  thubhairt  e,  agus  a  dh'  innseadh  na  firinn 
theab  e  mise  a  chur  air  uideal  leis  cho  cinnt- 
each  's  a  bha  e  as  fein  ;  is  beag  nach  d'  iomp- 
aich  a  ghliocas  saoghalta  mi.  Ach  le  suil 
m'  inntinn  chunnaic  mi  aodann  baigheil  losa 


agus  am  blaths  a  bha  'n  a  shuilean  ;  thug  an 
sealladh  sin  thugani  fein  mi  agus  fhreagair 
mi,  "  Tha  lusa  a'  teagasg  gu  bheil  gradh  na's 
cumhachdaiche  na  eagal." 

"  Tha  6  furasda  fhaicinn,"  avsa  Caiaphas, 
"  gu'n  do  chuir  losa  druidheaclid  ort-sa  co 
dliiu,  ach  innsidh  mise  dhuit  an  seorsa  duine 
a  tha  ann.  Is  duine  e  leis  am  bu  mhaith 
mise  agus  an  luchd-riaghlaidh  eile  a  chur 
sios  agus  e  fein  a  dhol  suas. " 

"Cha  'n  e  sin  idir  a  tha  e  a'  ciallachadh," 
fhreagair  mi,  "  agus  ma  dh'  innis  daoine 
dluiibh  g'u  bheil  e  a'  teagasg  sin  dh'  innis  iad 
dbuibh  rud  nach  'eil  fior.  Cha  chuala  mise 
riamh  losa  a'  searmonachadh  rud  eile  ach 
sith  is  gradh." 

"A  bheil  thu  an  dull,"  arsa  Caiaphas, 
"nach  aithne  dhomh-sa  mo  ghnothuch  ;  no 
a  bheil  thu  a'  gabhail  ort  fein  leasan  a  thoirt 
do  Ard-Shagart  Dhe?" 

Labhair  e  gu  feargach  agus  chuir  na 
thubhairt  e  an  fhearg  orai-sa  cuideachd,  ach 
anns  a'  mhionaid  chuimhnich  mi  an  turns 
air  an  d'  thainig  mi  thuige  agus  thuirt  mi 
rium  fein  gu'm  feumainn  srian  a  chur  air 
mo  nadur  agus  a  bhi  umhail  is  siobhalta  ris. 

"  Tha  losa  'n  a  charaid  gaolach  dhomhsa," 
thuirt  mi  ris,  "  caraid  air  a  bheil  gaol  mo 
chridhe  agam,  agus  air  mo  sgath  fein  tha  mi 
a'  guidhe  oirbh  trooair  a  nochdadh  dha." 

Cha  d'  thainig  diog  as  a  bhilean,  ach  sheall 
6  orm  agus  chunnaic  mi  'na  shuileaii  nach 
robh  trocair  'n  a  chridhe ;  cha  deachaidh  an 
latha  leam.  Cha  robh  iochd  no  caomhalachd 
ann  an  com  Chaiaphais  gecl  nach  dual  do'n 
t-sagartachd  agus  do'n  iochd  a  bhi  'n  an 
coigrich  air  a  cheile.  Dh'  fhaodadh  an 
cridhe  beo  a  bhi  air  a  spionadh  a  duine  beo 
agus  suilean  glas  Chaiaphais  'g  a  fhaicinn 
ach  cha  chuireadh  sin  tiomadh  'n  a  chridhe 
cruaidh.  Aon  oddhirp  eile  rinn  mi  air  losa 
a  shabhaladh. 

"  Thug  sibhse  rabhadh  dhomh-sa,"  thuirt 
mi  ris,  "  ceadaichibh  dhomhsa  a  nis  rabhadh 
a  thoirt  dhuibh  fein.  Tha  sibh  an  diiil  gu 
bheil  e  furasda  losa  a  chur  as  an  rathad  ach 
cuimhnichibh  gu  bheil  meas  aig  an  t-sluagh 
air.  Tha  moran  dhaoine  'ga  leantuinn 
agus  cha  leig  iad  le  duine  air  thalamh  a 
dhochann  gun  a  sheasamh." 

Sheall  Caiaphas  orm,  agus  thubhairt  e, 
"  Tha  cuid  'g  a  leantuinn  aig  nach  'eil  gaol 
air  bith  air."  Thu  it  an  sgieo  a  bha  air  mo 
shuilean  cho  luath  's  chuala  mi  am  facal, 
agus  dh'  aithnich  mi  gu'n  do  bhrath  ludas 
e  do  na  sagartan  cheana,  agus  gu'n  robh  inn- 
leachd  deas  aca  air  son  a  ghlacadh. 

An  uair  a  dh'  fhag  mi  Caiaphas  chaidh  mi 
far  an  robh  Nicodemus,  agus  dh'  innis  mi 
dha  mar  a  bha.     Bha  esan  am  beachd  nach 


robh  nine  aca  roindr  'n  Fheill  dol  troimh 
uile  chursachan  an  lagha  troimh  am  feum- 
adh  iad  dol  ma'm  b'  urrainn  daibh  losa  a 
dhlteadh,  ach  thuirt  e  gu'm  feuchadh  iad  r'a 
chur  as  an  rathad  an  uair  a  bhiodh  an  Fheill 
seachad,  agus  gu'm  b'  fhearr  domh  dol  air 
mo  thapadh  agus  oidhirp  laidir  a  dheanamh 
air  losa  fhaotainn  air  falbh  as  a'  bhaile  gun 
dail. 

Bha  a'  ghrian  a'  dol  fodha  an  uair  a 
chaidh  mi  sios  do  ghaiu-adh  Ghetsemane  far 
an  robh  clochas  agam  gu'n  tachrainn  air. 
Bha  an  t-aite  cho  samhach  ris  an  uaigh  ;  cha 
chluinnteadh  ann  aon  diog  de  ghleadhraich 
a'  bhaile,  agus  bha  e  uile  gu  leir  cho  tait- 
neach  's  nach  cuireadh  e  ionghnadh  ort  ged 
bhiodh  Dia  fein  air  fhaicinn  ann,  a'  cois- 
eachd  ann  an  sainhchair  agus  ann  am  fionn- 
arachd  an  fheasgair.  Bha  mi  greis  mar  sin, 
ag  61  a  steach  maise  an  t-saoghail,  an  uair 
a  dh'  fhairich  mi  lamh  air  a  leagail  air  mo 
ghualainn.  Co  a  bha  so  ach  losa,  ach  a' 
cheud  sealladh  a  fhuair  mi  air  'aodann  thuit 
mo  chridhe  gu  ruig  mo  shailtean,  oir  bha 
sgeul  mo  leiridh  'n  a  shuilean.  An  uair  a 
chunnaic  e  gu'n  do  ghabh  mi  seorsa  de  eagal 
chi'om  e  agus  phog  e  mi,  agus  gun  a  lamh  a 
thogail  bharr  mo  ghuailne  dh'  fheoi'aich  e 
dhiom  ciamar  a  bha  dol  domh.  Cha  b'urr- 
ainn  mi  a  fhreagairt,  oir  chuimhnich  mi  an 
turus  air  an  d'  thainig  mi  is  naire  orm. 

"  losa,"  thubhairt  mi,  agus  mi  a'  glacadh 
misnich,  "  thainig  mi  'g  ad  chuir  'n  ad 
earalas  agus  a  thoirt  rabhaidh  dhuit. 
Chunnaic  mi  Caiaphas,  agus  tha  an  Ian  am 
agad  teicheadh. "  Theannaich  a'  ghreim  air 
mo  ghualainn  agus  fhreag-air  e. 

"C  aite  an  teichinn?  Cia  mar  a  theicheas 
duine  o  thoil  Dhe.  Ma  dhlreas  mi  gu  neamh 
tha  a  lamh-san  tharam  agus  ma  theid  mi 
SIOS  do  ifreann  tha  e  an  sin  cuideachd." 

An  uair  a  chuala  mi  e  a'  bruidhinn  mar 
so  bha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  rachadh 
agam  air  a  thoirt  leam. 

"  Bidh  tu  air  do  mharbhadh,  ma  dh' 
f lianas  tu,"  thuirt  mi  ris. 

"  Treoraichidh  Dia  mi,"  fhreagair  e, 
"  eadhon  gu  bas. "  Bha  e  air  chrith,  agus 
thainig  crith  orm-sa  cuideachd  leis  an  eagal. 

"  Tha  m'  anam,"  ars  esan,  "  fo  iomguin 
ach  ciod  is  urrainn  mi  a  dheanamh?  Rinn 
mi  m'  iirnuigh  ri  Dia  e  'g  am  thearnadh, 
ach  is  coltach  g'ur  e  so  a'  chrioch  a  dh' 
orduich  e  dhomh.  Liubhair  mi  do'n  t- 
saoghal  an  teacihdaii'eachd  a  thug  esan 
dhomh,  agus  ma  tha  am  bas  's  an  dan  dhomh 
feumaidh  ©  bhith  gur  e  sin  toil  Dhe.  Ann 
an  umhlachd  dhasan  tha  beatha  an  anama. 
Ach  tha  mi  fo  eagal." 

Bhruchd  braonneanan   falluis  a  mach   air 


'aodaiin,  ach  cha  b'  urraiiin  doiiihsa  a  chuid- 
eachadh ;  cha  b'  urrainn  domh  ach  a  bhi 
samhach. 

"  Tha  Dia  air  mo  threigsinn,"  ars'  esan, 
"  tha  mi  air  an  t-solus  a  chall  agus  cha  leir 
dhomh  a  ruintean.  Tha  eagal  a'  bhais  'g 
am  phianadh,  ach  ged  a  ghlaodhas  mi  ri  Dia 
cha  fhreagaii^  e.  Tha  amhgharan  'g  am 
chuartaohadh  air  gach  taobh  ach  cha  'n  'oil 
neach  ann  a  chuidicheas  mi." 

Bha  de  ghaol  agam  air  agvis  gu'n  do  leon 
a  bhron  mo  chridhe  mar  gu  robh  mi  fhein 
ann  an  impis  dol  sios  do  shlochd  dorcha  na 
h-eiginn. 

"  Is  coir  duinn,"  thubhairt  e,  "  gabhail 
ri  tlodhlac.an  Dhe,  agus  ma's  e  am  bas  an 
tiodhlac  a  tha  Dia  a'  tairgsinn  dhomhsa  an 
e  nach  gabh  mi  e?  Gabhaidh  le  m'  uile 
chridhe."  Ach  an  ath  mhionaid  chaidh  e 
air  aghaidh,  "Fhuair  mi  daoine  air  mhisg 
agus  gun  ghin  idir  air  an  robh  tart  na 
corach.  Dhoirt  mi  a  mach  m'  anam  air  an 
son  ach  cha  d'  thug  iad  fanear.  0  mo 
shluagh  ciod  a  rinn  mi  oirbh  nach  gradhaich 
sibh  mi  1  Tha  bron  air  m'  anam  a  chionn 
gu  bheil  sibh  dall  'n  'ur  cridhe." 

Bha  fhallas  a'  tuiteam  sios  air  aodann 
agus  shiab  e  e  air  falbh  le  mhuilcheann. 

"  Nochd  mi  do  dhaoine  slighe  na  beatha 
ach  cha  lean  iad  mi.  Roghnaich  iad  Fuath 
an  aite  Graidh,  agus  ciamar  is  urrainn  mi  a 
nis  an  saoradh  o'n  amhghar  a  thig  orra  an 
lorg  an  amaideis.  Cha  'n  'eil  fhios  aca  ciod 
a  tha  iad  a'  deanamh.  Cba  'n  ann 
rium-sa  a  tha  iad  a'  cur  cul  ach  ri  Dia."  An 
sin  chaidh  e  ceum  air  aghaidh  agus  sheas  e 
gi'eis  mhaith  gun  facal  a  radh  ach  a'  seall- 
tainn  a  null  air  beanntan  Mhoaib  a  bha  a' 
cur  orra  an  currachd-oidhche,  agus  air 
baile  lerusalem  a  bha  shio's  fodhainn  agus  e 
cho  buidhe  ris  an  or  leis  na  gathan  mu 
dheireadh  o'n  ghrein  a  bha  dol  fodha. 
Tlioisich  e  an  sin  air  spaisdearachd,  agus 
chuala  mi  e  ag  radh  mar  gu'm  biodh  e  a' 
bruidhinn  ris  fein.  "  Tha  a'  bhuaidh  aig 
an  t-saoghal  agus  cha  'n  ann  agam-sa.  Cha 
'n  'eil  eadhon  iadsan  a  thug  Dia  dhomh  agus 
a  lean  mi  a'  tuigsinn  ciod  a  tha  rioghachd 
Dhe  a'  ciallachadh.  Tha  mi,  a  reir  choslais, 
air  m'  aireamh  am  measQ:  nan  ciontach.  Aoh 
cha  bhi  an  saoghal  gun  bhreith  a  thoirt  air, 
oir  an  uair  a  thuigeas  daoine  mo  theagasg 
bheir  iad  breith  orra  fein.  Tha  e  eu-comas- 
ach  gu'm  bi  a'  bhuaidh  aig  Fuath.  Cha  'n 
eil  ann  am  Fuath  ach  ni  lag.  Ach  do 
bhrigh  gur  ann  o  Dhia  a  tha  Gradh  tha  e 
laidir.  agus  tha  misneach  aige  fulang.  Dh' 
fhairtlich  orm-sa  a'  bhuaidh  fhaotainn  air 
an  t-saoghal,  ach  gheibh  na  daoine  a  thig 
a'm'  dheidh  i,  oir  tha  Dia  a'  riaghladh  agus 


thig  a  ruintean  gu  crich. " 

"  Tha  an  saoghal,"  ars'  esan,  "maiseach, 
agus  is  cruaidh  an  ni  am  bas.  Chunnaic 
mi  am  bas  a'  tighinn  gu  daoine  eile  agus  a 
nis  tha  e  a'  tighinn  thugam  fein,  ach  air 
cho  cruaidh  agus  'ga  bheil  e  feumar  dol  'n  a 
choinneamh.  Bu  mhaith  leam  a  bhi  learn 
fein  a  nis,  oir  cha  'n  urrainn  diiine  cuid- 
eachadh  leam,  ach  cha  'n  fhaod  e  bhith  nach 
eisd  Dia  rium." 


Feumaidh  e  bhith  gu'n  do  thuit  an  cadal 
orm,  oir  fhuair  mi  mi  fein  a'  leum  air  mo 
chasan,  agus  chunnaic  mi  gu  robh  losa  agus 
Eoin  is  Peadar  is  Seumas  laimh  rium. 
Chuala  sinn  farum  chas,  agus  an  sin  chunn- 
aic sinn  daoine  agus  lochrain  aca  a'  deanamh 
lom  is  direach  oirnn.  Ann  an  solus  nan 
lochran  dh'  aithnich  sinn  gur  e  maoir  an 
teampuill  a  bha  ann  agus  ludas  Iscariot  air 
an  culaobh.  Sheall  iad  oirnn  gu  dur  an  uair 
a  rainig  iad  sinn  agus  rinn  an  ceannard  aca 
mar  gu  robh  e  a'  dol  a  bhreith  air  Seumas, 
ach  chuala  mi  ludas  a'  cur  cagair  'n  a 
chluais  nach  b'e  Seumas  an  duine  ceart.  An 
sin  thainig  ludas  a  nail  far  an  robh  losa  'n 
a  sheasamh  agus  air  dha  breith  air  laimh 
air  chrom  e  a  cheann  mar  gu'n  robh  e  a'  dol 
'g  a  phogadh.  Ach  leag  losa  a  lamh  air 
gairdean  ludais  agus  gun  feitheamh  r'a 
phoig  phog  e  ludas  agus  thuirt  e  ris,  "  A 
charaid  dean  do  ghnothuch  a  nis." 

An  sin  rug  na  maoir  air  losa,  agus  chuir  iad 
ris  cho  teann  's  gu'n  do  leum  an  fhearg  air 
Peadar,  agus  a  steach  'n  am  measg  bha  e  is 
claidheamh  mor  leubaisteach  'na  laimh.  Ach 
bhruidhinn  losa  gu  smachdail  ris  agus 
thubhairt  e,  "  Cuir  bhuait  an  t-arm  sin,  a 
Pheadair,  nach  d'  thubhairt  mise  riut 
cheana  gu'n  sgriosar  leis  a'  chlaidheamh 
iadsan  a  cJiuireas  an  earbsa  ann." 

Thuit  Peadar  air  ais,  agus  an  sin  dh' 
fheoraich  losa  de  na  maoir,  "  C  ar  son  a 
thainig  sibh  a  bhreith  orm  le  claidhean  is 
bataichean  mar  gu'm  fhear-reubainn  mi. 
Nach  do  theagaisg  mi  gu  follaiseach  anns  an 
teampull,  agus  cha  do  chuir  sibh  lamh  orm 
ann?" 

Cha  d'  thuirt  na  maoir  diog,  agus  cha 
mho  a  thuirt  losa  an  corr,  ach  dh'  fhalbh  e 
gu  reidh  comhla  riu,  is  Peadar  agus  mise  'g 
a  leantuinn.  Ach  chunnaic  jni  gu'n  cl'  fhan 
ludas  leis  fhein  arms  a'  ghari'adh— agus  an 
dorchadas  ann. 

(Le  fear  de  dheixciohuil 
losa  a  tha  gun  ainm.) 


Air.    3. 


1925. 


ANN  AN  LA  NA  TRIOBLAID. 


A?i  ti  as  ionmhuinn  leis  an  Tighearna 
smachdaichidh  se  e.      Eahh,   xii.    6. 

Nach  mor  a'  chomhfhurtachd  a  tha  anns 
an  fhacal  so  do  dhaoine  a  tha  f ulang  fo  laimh 
an  Tig-hearna  !  An  uair  a  thig  amhghar  is 
bron  'n  an  caraibh,  tha  daoine  deas  gu  bhi 
saoilsinn  gu  bheil  aghaidh  an  Tighearna  air 
a  tionndadh  air  falbh  uapa  ann  am  feirg. 
Ach  tha  am  facal  so  a'  cur  soluis  eile  air  a' 
chilis,  an  ti  as  ionmhuinn  leis  ati  Tighearna 
smachdaichidh  se  e.  Mar  gu'n  abradh  an 
t-abstol,  Cha'n  ann  a  chionn  gu  bheil  Dia 
ooma  air  bhur  son,  no  a  chionn  gu  bheil 
fearg  air  ribh  a  tha  e  'g  'ur  smachdachadh, 
ach  a  choinn  gu  bheil  gradh  aige  dhuibh.  Ma 
ghiiilaineas  sibh  smachdachadh  tha  Dia  a' 
buntainn  ribh  mar  ri  cloinn,  oir  c6  am  mac 
nach  smachdaich  an  t-athair  !  An  aite 
smachdachaidh  a  bhi  'n  a  chuis-eagail 
do  shluagh  an  Tighearna,  is  ann  a  bu  choir 
e  bhi  dhaibh  'na  aobhar  misnich,  'n  a  chom- 
harradh  gu  bheil  lamh  chaomh  an  Athar 
neamhaidh  thairis  orra. 

Tha  trioblaid  a'  t«agasg  dhuinn  iom- 
adh  ni  nach  b'  urrainn  duinn  ionnsachadh 
air  dhoigh  eile.  Tha  iomadh  facal  aig  Dia 
ri  labhairt  nach  tuig  daoine  do  naoh  aithne 
bron.  Tha  amhghar  a'  chridhe  mar  iuchair 
a  dh'  fhosglas  facal  Dhe  dhuinn,  agus  freas- 
clal  Dhe.  An  uair  a  bha  Henry  Drummond 
nach  maireann  air  a  ghairm  gu  leabaidh- 
bhsis  athar  sgriobh  e  mar  so  gu  caraid, 
"  Tha  trioblaid  'na  ni  ur  dhomhsa,  ach  tha 
mi  nis  a'  foghlum  iomadh  ni  air  nach  robh 
fhios  agam  agus  a'  tuigsinn  iomadh  ni  a, 
chuala  mi  cheana  ach  naoh  robh  mi  a' 
creidsinn."  Tha  gu  leoir  de  dhaoine  ann 
nach  d'  6isd  riamh  ri  teachdaireachd  an  t- 
soisgeil  gus  an  do  labhair  Dia  riu  le  guth 
smachdachaidh.  Tha  Dia  daonnan  dluth 
dhuinn,  ach  ann  an  la  na  trioblaid  tha  e  na's 
dliiithe  na  tha  e  aig  amannan  eile,  ag  radh 
ruinn,  "An  diugh  ma  chluinneas  sibh  mo 
ghuth,  na  cruadhaichibh  'ur  cridheaohan. " 
Na'n  sealladh  daoine  air  a'  chuis  anns  an 
doigh  so  chuireadh  e  solus  dhaibh  air  iomadh 
cuairt  an  fhreasdail  'n  am  beatha  a  tha  an 
drasd  dorcha  agusi  do-thuigsinn. 

Is  e  beachd  an  t-saoghail  gur  h-ann 
bho  pheacadh  a  tha  uile  smachdachadh  an 
Tighearna  a'  teachd.  "Co,"  arsa  na  deisci- 
obuil,  "a  pheacaich,  an  duine  so  no  a  phar- 
antan,  gu'n  do  rugadh  dall  e."  "  Cha  do 
pheacaich  aon  chuid  an  duine  so  no  a  phar- 
antan,"  fhreagair  losa,   "  ach  a  chum  gu'm 


foillsichteadh  oibre  Dhe  ann."  Gun  teag- 
amh  tha  moran  de  na  trioblaidean  a  tha 
luighe  air  cloinn  nan  daoine  a'  teachd  orra 
an  lorg  an  amaideis  agus  am  peacaidhean 
fein,  ach  air  a  shon  sin  tha  gu  le6ir  de 
fhulangas  anns  an  t-saoghal  nach  'eil  air 
aobharachadh  air  an  doigh  sin.  Tha  daoine 
ann  a  tha  air  an  smachdachadh  le  Dia,  cha 
'n  ann  a  chionn  gu  bheil  iad  olc,  ach  a 
chionn  gu  bheil  a  shuil  fein  a  faicinn 
gealltanas  mor  'n  am  beatha,  agus  gu  bheil 
riin  'na  chridhe  na  daoine  sin  a  dheanamh 
foirfe  tre  fhulangas.  Their  an  saoghal, — is 
beannaichte  iadsan  aig  nach  'eil  crois  air 
bith  'n  am  beatha,  no  sgolb  air  bith  'n  am 
feoil.  Ach  is  e  a  tha  Criosd  ag  radh,  "  la 
beannaichte  iadsan  a  tha  ri  bron."  Cha'n 
6  idir  na  clachan  a  thilgeas  an  clachair  ann 
an  teis-meadhoin  a'  bhalla  a  gheibh  buillean 
an  uird,  ach  a'  chlach  d'  am  bheil  e  a'  dol  a 
dheanamh  clach-chinn  na  h-oisinn.  Mar  is 
fhearr  a'  chlach  is  ann  is  mo  a  ghabhas  e  de 
dhragh  rithe.  Mur  biodh  gealltanas  idir 
innte  thilgeadh  e  air  falbh  i.  Ach  do  bhrigh 
gu'n  gabh  i  clach  luachmhor  a  dheanamh 
dhi,  snaighidh  e  le  buillean  an  uird  i.  Ann 
am  freasdal  an  Tighearna  tha  na  naoimh  a' 
faotainn  buillean  an  uird,  ged  a  dh'  fhaodas 
an  t-aingidh  a  bhi  cho  suaimhneach  ri  Moab. 
"Bha  suaimhneas  aig  Moab  bho  oige, "  tha 
am  faidh  leremiah  ag  radh,  "  agus  shocr- 
uich  e  air  a  dheasgainibh,  agus  cha  do 
tharruingeadh  a  mach  o  shoitheach  gu 
soitheach  e,  ni  mo  a  dh'  imich  e  ann  am 
braighdeanas;  air  an  aobhar  sin  mhair  a 
bhlas  ann,  agus  cha  d'  atharraicheadh 
fhaile."  Sin  a'  cheart  ni  a  bha  ann  an 
inntinn  an  t-Salmadair  an  uair  a  tliu- 
bhairt  e. 

Is  air  an   aobhar  fos  nach  'eil 
Caochladh  air  bith  nan  staid, 
Eagal  an  Tighearna  uime  sin 
Do  thilg   iad   dhiubh  air   fad. 

Tha  trioblaid  a'  dearbhadh  dhaoine.  Is 
iomadh  duine  nach  d'  fhuair  riamh  a  mach 
ciod  a  bha  'na  chridhe  fhein  gus  an  robh  e 
air  a  smachdachadh  le  Dia  agus  air  a  chlao- 
idheadh.  An  uair  a  tha  cuisean  a'  dol  leinn 
agus  a  tha  ar  laithean  a  ruith  gu  seimh 
ciuin,  faodaidh  sinn  a  bhi  an  duil  gu  bheil 
creideamh  is  dochas  againn  ann  an  Dia  nach 
'eil  againn  idir.  An  uair  a  bhios  an 
cudthrom  air  cridhe  duine  cha  'n  e 
creideamh  na  cluaise  a  ni  feum  dha  anns  an 
la  sin.  Cha  'n  e  am  fapal  a  labhair  Dia  ri 
Maois  no  ri  Pol  a  ni  feum  dha  aig  an  am 


10 


sin,  ach  am  facal  a  tha  Dia  a'  labhairt  ri 
cli(x-idhe  fein.  Ann  an  la  na  trioblaid 
feuniaidh  gach  duine  leigeil  le  comhairle  a 
chridhe  fein  seasamh,  agus  mur  bheil  dearbh- 
achd  phearsonta  aige  air  caomhalachd  is 
maitheas  an  Tigbearna,  is  coma  dha  ciod  a 
thuirt  Dia  ri  daoine  eile,  no  ciod  a  rinn  e 
air  an  son.  Tha  smachdachadh,  mata, 
'na  mheadhon  aii'  creideamh  as  fhearr  a 
thoirt  do  dhaoine  na  creideamh  na 
cluaise.  Is  e  latha  mor  e  ann  am  beatha 
duine  an  uair  is  urrainn  e  a  radh,  "  Le 
eisdeachd  na  cluaise  chuala  mi  thu,  ach  a  nis 
chunnaic  mo  shuil  thu. " 

Is  fhearr  do  dhuine  a  chridhe  a  bhi  air  a 
bhriseadh  seach  gu'm  fasadh  a  chridhe  oho 
cruaidh  ri  creig:.  Is  fhearr  buillean  an  uird 
fhulang  seach  a  bhi  gun  snaigheadh.  "  Co 
iad  sin  a  tha  air  an  sgeadachadh  ann  an 
trusganaibh  geala,  agus  cia  as  a  thainig 
iad?  "  Is  ioid  so  iadsan  a  thainig  a 
dmhghar  Tnhoir".  "  Uime  sin  cha  'n  eil 
sinn  a'  fannachadh,"  arsa  Pol,  "  oir  a  ta  ar 
n-amhghar  eutrom,  nach  'eil  ach  re  sealain, 
ag  oibreachadh  dhuinne  trom  chudthrom 
gloire  a  ta  na's  ro-anabharraiche  agus  sior 
mhaireannach."  Cha  'n  'eil  an  trioblaidean 
a'  tighinn  gu  sluagh  an  Tighearna  gun  fhios 
d'an  Athair  neamhaidh,  agus  cha  tigeadh 
iad  idir  mur  biodh  iad  a  chum  an  leas. 
Tha  Dia  a'  smachdachadh  a  chloinne  a  chum 
gu'm  biodh  iad  air  ,an  deanamh  'nan 
luchd-comhphairt  d'a  naomhachd.  Anns  an 
dorchadas,  mata,  gleidheamaid  ar  misneach, 
agus  biodh  am  facal  so  dhuinn  'na  lorg  agus 
'na  sholus,  An  ti  as  ionmhuinn  lets  an 
Tighearna  smachdaichidh  se  e. 

ANNS  A  CHATHAIR. 

An  tug  thu  riamh  an  aire  dha  so,  a  leugh- 
adair,  ma  thachras  rud  ort  a  ghlacas  t' 
inntinn  anns  an  leabhar  a  tha  thu  a'  leughadh 
an  drasd,  gur  docha  gu'm  faic  thu  ni-eigin 
mu'n  cheart  rud  anns  an  ath  leabhar  a 
leughas  tu,  eadhon  ged  nach  ann  air  an  aon 
chuspair  a  tha  an  da  leabhar  air  an  sgriobh- 
adh  idir.  Tha  rudan  neonach  de'n  t-seorsa 
so  ag  amasi  oirnn  a  h-uile  latha  d'ar  beatha, 
a  thaobh  nithean  eile  oho  mhaith  ris  na 
leughas  sinn  ann  an  leabhraichean,  agus  na'n 
gleidheadh  duine  cuimhne  orra  agus  na'n 
cuireadh  e  sios  ann  an  leabhar  iad,  lionadh 
iad  leabhar  mor  tiugh  a  dh'  fhaodadh  LL.D. 
no  D.D.  a  ohosnadh  dha  bho  Oil-thigh  Chill- 
ribhinn. 

An  raoir  fhein,  oidhche  na  Sabaid,  agus 
mi  air  tighinn  dachaidh  is  obair  an  latha 
seachad,  sheas  mi  greis  aig  an  dorus  a 
shealltainn  air  an  dubhradh  a  thainig  air 
a  ghealaich  le  faileas  na  cruinne.  An  deidh 
dhomh  dol  a  steach  dh'  fhosgail  mi  leabhar 


a  bha  air  a  sgriobhadh  mu  na  seann  uaighean 
a  thatar  a'  faotainn  anns  an  Eiphit,  agus 
b'e  a'  cheud  rud  a  chunnaic  mi  air  a'  cheud 
duilleig  air  an  do  laigh  mo  shiiil,  iomradh 
air  grian-dhubhadh  no  clihse  a  bha  anns  an 
Eiphit  bho  chionn  fada  nan  cian.  Ach  cha 
'n  6  sin  deireadh  mo  sgeoil;  ma'n  deachaidh 
mi  a  chadal,  thug  mi  greis  a'  leughadh 
leabhair  a  bha  air  a  sgriobhadh  le  seann 
diadhair  mu'n  Trianaid,  agus  anns  ail 
leabhar  sin  cuideachd  dh'  amais  a'  chlihse 
orm,  samhladh  a  bha  an  diadhair  a'  tarr- 
uing  bho  dhubhradh-greine. 

Oidhche  Di-luain  mar  is  bitheanta,  bidh 
mi  ag  ionaltradh  am  measg  mo  leabhraich- 
ean, an  aite  a  bhi  sonruchadh  air  aon 
chuspair,  agus  a  nochd  cheana  thug  mi  giiil 
air  ceithir  no  c6ig  an  taobh-a-stigh  de  dha 
uair  an  uaireadair,  agus  a  ris  thachair  an 
rud  so  orm  air  a  bheil  mi  a'  bruidhinn. 
Cha  luaithe  a  ohuirinn  bhuam  aon  fhear  's 
a  thogainn  fear  eile  na  bha  mo  shiiil  a'  luighe 
air  ni-eigin  aig  an  robh  buineealas  ris  na 
leugh  mi  anns  a'  cheud  fhear.  Agus  is  e  a 
thainig  as  a  sin,  gu'n  do  chuir  mi  romham 
gu'n  cuirinn  sios  air  an  duilleig  so  cuid  de 
na  nithean  a  leugh  mi  ann  an  toiseach  na 
h-oidhche. 

B'e  na  leabhraichean  anns  an  robh  mise 
ag  ionaltiadh  a  nochd,  (1)  Beatha  an 
Ollaimh  Mhic  Iain,  leabhar  as  fhearr  air  an 
t-saoghal  ach  a  mhain  am  Biobull ;  (2) 
Litrichean  an  Dotair  Bhriiin,  lighiche  glic 
is  caomhail  a  bha  ann  an  Dun-eideann  ;  (3) 
Leabhar  a  bha  air  a  sgriobhadh  le  Frangach 
mu  mhuinntir  Albainn ;  (4)  Turns  do  na  h- 
Eileanan  Gaidhealach,  a  bha  air  a  chur  a 
mach  le  da  chreutair  mhiomhail  d'  am  b' 
ainm  Pennell ;  (5)  agus  Leabhar  a  bha  air  a 
chur  a  mach  le  duine  a  thug  dha  fhein  an 
t-ainm  Alpha.  Theagamh  gu'n  cual  thu 
iomradh  air  an  duine  so,  brathair  Omega. 

Tha  mi  creidsinn  gu  bheil  bliadhna  mhor 
bho  nach  d'  amais  Tobar-mhoire  ormsa  ann 
an  leabhar  gus  a  nochd,  ach  is  e  a  thug  orm 
tarruing  a  thoirt  air  an  t-seanchas  so  an 
drasd,  gu'n  do  thachair  e  orm  ceithir  no 
coig  a  dh'  uairean  bho  thoisich  mi  air 
leughadh  a  nochd.  A  thuilleadh  air  sin, 
ged  nach  d'  iarr  mise  oirre  a  dheanamh  agus 
ged  nach  'eil  fhios  agam  c'  ar  son  a  rinn  i 
e,  chuir  mo  bhean-tighe  dealbh  Thobar- 
mhoire  os  cionn  a'  chlair-sgriobhaidh  aig  an 
abhaist  dhomh  mo  sgriobhadh  a  dheanamh. 
Is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  dealbh  Thobar- 
mhoire  ann  am  thigh-sa,  gu'n  do  cheannaich 
mi  e  aig  ropainn  a  bha  aig  Guild  nam  Ban 
ann  an  eaglais  Bhaile-chloichridh,  a  chionn 
gu'n  robh  e  na  b'  fhasa  a  ghiiilan  dhachaidh 
na  rudan  eile  a  bha  na  oaileagan  laghach  a' 
tairgsinn     dhomh.       Cha    b'e     Millais,     no 


11 


Turner,  no  gin  eile  de  na  daoine  mora  sin  a 
rinn  an  dealbh,  agus  leig  mi  leis  laighe  ann 
an  seomar-ciiil  am  measg  ti'eathlaicji  eile,  oir 
cha  'n  'eil  aobhar  air  bith  agam-sa  gaol  a 
bhi  agam  air  Tobar-mhoire.  Cha  robh  mi 
riamh  ann  ach  an  uair  a  bhithinn  ann  ri 
port,  agus  dh'  fhaodainn  a  radh  uime  mar  a 
thuirt  Para  Mor  rnu'n  t-Sailein  dubh,  nach 
b'e  sin  baile  na  biadhtachd.  Aeh  a  nis,  gun 
mo  chomhairle  no  mo  chead  iarraidh, 
cuiridh  mo  bhean-tighe  dealbh  Thobar- 
rahoire  far  am  b'  abhaist  an  dealbh  aig 
Cardinal  Newman  a  bhith  !  Tha  e  mar  gu'm 
biodh  uile  chomharraidhean  an  fhreasdail  a' 
cornh  oibreachadh  le  cheile,  ag  iarraidh  orm- 
sa  an  cothrom  a  ghabhail  agus  ceann-teagaisg 
a,  dheanamh  de  Thobar-mhoire. 

Tha  an  cunntas  as  fbearr  a  thugadh  riamh 
air  Tobar-mhoir©  agus  air  acarsaid  Thobar- 
mhoire  ri  fhaotainn  ann  an  Lo^ig  Mkor  nan 
Eilthireach  anns  an  leabhai-  aig  '  Caraid  nan 
Gaidheal.' 

Anns  a'  bhliadhna  1852,  anns  an  fhoghar, 
bha  an  Dotair  Brun  anns  a,'  Ghaidhealtachd, 
agus  am  measg  gaoh  aite  eil©  anns  an  do 
thadhaill  e  bha  e  ann  an  Tobar-mhoire. 
Bha  gaol  aig  an  duine  mhaith  so  air  a' 
Chruitheir,  agus  siiil  aige  a  chitheadh  maise 
nan  oibr©  a  rinn  an  Cruithear.  "  An  robh 
thu  riamh  ann  an  Gleann-eilg,  no  am 
faca  tu  Gleann-eilg  o'n  fhairge?  Am  faca 
tu  riamh  Cuilinn  ?  Co  a  b'  urrainn  seallt- 
uinn  air  Cuilinn  gun  a  chomhdach-cinn  a 
chur  dheth.  An  robh  thu  riamh  ann  an 
Rainneach,  anns  a'  Choille  Dhuibh,  agus  grian 
an  fheasgair  a'  dol  sios  air  cul  Buachaill 
Eitibh?  Ann  an  Tobar-mhoire  dh'  fhan  mi 
gu  h-ard  fad  na  h-oidhche,  ag  aoradh  do 
fheachd  neimh,  mar  nach  robh  annam  ach  an 
fhior  chinneach.  Dh'  fhag  sinn  Tobar- 
mhoire  aig  tri  uairean  's  a  mhaduinn ; 
seachad  air  an  rudha  Mhurchannaoh  agus 
reul  na  maidne  a'  dealradh  cho  mhor  ri 
gealaich.  An  uair  a  dh'  eirich  a'  ghrian 
bna  sealladh  againn  nach  faca  mise  a 
leithid  riamh  agus  nach  f aic  gu  brath ;  bha 
mi  mar  gu'm  bithinn  ann  an  neamh,  oir 
bha  speur  is  cuan  is  cladach  uile  gu  leir  cho 
maiseach." 

Ach  ma  chord  Caol  Muil©  is  Tobar-mhoire 
ri  Iain  Brun,  cha  do  chord  e  ris  na  creut- 
airean  carraideach  d'  am  b'  ainm  Pennell, 
a  bha  air  thurus  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
anns  a'  bhliadhna  1888.  Ach  theagamh 
gu'n  robh  an  tinneas-mara  orra.  "  Bha 
againn  ri  fuireach  ann  an  Tobar-mhoire  da 
latha,  is  bha  gach  latha  cho  fad  ri  bliadhna. 
Cha  robh  dad  r'a  dheanamh  ann;  bha  a 
ghaoth  a.'  seideadh  agus  an  t-uisge  a' 
siileadh  gun  sgur."  Ach  bha  an  da 
chreutair  chrosda  ud  duilich  an  toileachadh 


CO  dhiu ;  cha  robh  aite  an  deachaidh  iad  nach 
robh  gearan  air  choreigin  aca  r'a  dheanamh. 
Cha  'n  fhaca  iad  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
no  anns  na  h-eileanan  gu  sonruichte,  ach 
sluagh  bochd,  salach,  leasg;  sluagh  gun 
Bheurla  gun  sgoil  ;  siluagh  gun  sonas  gun 
cheol-gaire,  aii'  an  sarachadh  agus  air  an 
cumail  sios  le  tighearnan-fearainn.  Ach  tha 
taobh  eile  air  a'  Mhaoil,  agus  theagamh  na'm 
b'  urrainn  daibh  a  chluinntinn  ciod  a 
theireadh  na  daoine  a  bha  gun  Bheurla  gun 
teanga,  umpa-san,  an  deidh  dhaibh  falbh, 
nach  abradli  iad  gu'n  robh  iad  cho  maol  no 
gu'n  robh  iad  uile  gn  leir  gun  cheol-gaire. 
Bha  an  t-Ollamh  Mac  Iain  ann  an  Tobar- 
mhoire,  ann  an  deireadh  an  fhoghair,  anns 
a'  bhliadhna  1773,  ach  ged  a  tha  am  baile  air 
ainmeaohadh  'na  leabhar  cha  'n  'eil  dad 
sonruichte  aige  ri  radh  uime  ach  gu  bheil 
an  acarsaid  mar  gu'm  biodh  i  air  a  deanamh 
a  dh'  aon  g-hnothuch  air  son  tearuinteachd 
a  thoirt  do  bhataichean. 

Cha    'n   'eil   e   idir   furasda    do   dhaoine   a 

theid  air  chuairt  do  dhuthaich  eile  beachdan 

cothromach     fhaotainn     mu     mhuinntir     na 

duthcha  anns  a  bheil  iad   a'  siubhal.       Ach 

air  a  shon  sin  bidh   iad    'g  an  toirt   duinn, 

mar   gu'm  biodh   aithne   cheart   aca   air   gne 

agus  nadur  an  t-sluaigh.      Ach  is  e  sin  rud 

a  tha  duilich  fhaotainn.      An  uair  a  chluinn- 

eas  tu  duino  a'   toirt  cliii  sonruichte,  cliix  a 

tha  'gan  dealachadh  bho  an  coimhearsnaich, 

air  muinntir  baile,   no  air  muinntir   eilein, 

no      air      muinntir      siorramachd.      no     air 

muinntir  duthcha  air  bith,  tha  an  t-am  agad 

dol  'n  ad  earalas,   air  eagai  gu'n  cuir  e  air 

seachran  thu,  air  ghaol  tapachd  a  sheanchais 

fein.      Tha    a    h-uile   seorsa    dhaoine   anns    a 

h-uile  aite ;  daoine  mear  is  daoine  dubhach  ; 

dao'ine    fialaidh    isi    daoine    spiocach ;  daoine 

caoimhneil   is  daoine  mosach,    air   ohor   agus 

nach  'eil  e  furasda  dhuit  sluagh  duthcha  uile 

a    chomharrachadh   leis    an    aon    datli.        An 

uair   a  chluinneas  tu  duine  ag   innseadh  gu 

bheil   Muilich  maol,   is  Collaich  crabhach,   is 

Liosaich  breugach,    is  Leodhasaich  leasg,   no 

gu    bheil     muinntir     Pheairt    saoghalta,     is 

muinntir  Obareadhain  cruaidh,  is  muinntir 

Eirinn  olc,  cha  ruig  thu  leas  sin  a,  ghabhail 

mar  fhirinn   uile  gu  leir.      Bidh  iad  a'   cur 

air   na    Hearaich   gu'n    do   chuir    an    Eaglais 

Shaor  asda  na  bha  annta  riamh  de  chridh- 

ealas  no  de  abhacas,   ach  b'e  seana  bhodach 

anns  na  Hearadh  duine  a  b'   eibhinne  agus 

a  bu  chridheile  a  thachair  riamh  orm,   agus 

a  thaobh  crabhaidh  nan   CoHach,   b'  ann  an 

acarsaid  Airidh-nan-Gobhar  ann  an  Colla  a 

chuala  mi,  o  bheul  Collaich,  na  briathran  a 

b'  uamhasaiche  a  chuala  mi  riamh,  briathran 

cho  salach  toibheumach  's  gu'n  cuireadh  iad 

orrais  air  Satan  fein. 


12 


Tha  gach  se6rsa  dhaoine  anns  a  h-uile 
aite,  agus  bidh  e  air  uaiream  a'  tighinn  a 
steach  air  m'  inntinn  gu'ni  biodl  e  morau  na 
b'  fhasia  an  saoghal  a  riaghladh  na  tha  e, 
na'n  gabhadh  gach  seorsa  cumail  air  leth ; 
na  'm  biodh  a  h-uile  duine  mosach  anns  an 
Roinn-Eorpa  air  an  cruinneachadh  comhla 
agus  air  an  cur  air  an  ais  do'n  Ghearmailt 
as  an  tainig  iad ;  na  daoine  a  tha  ain- 
diadhaidh  agus  neo-mhoralta  air  an  cur 
d'hachaidh  do'n  Fhraing;  daoine  borb  air  an 
cruinneachadh  do  Russia  agus  daoine  leasig 
do'n  Tuirc;  agus  a  h-uile  duine  coir  ciallach 
air  fhagail  ann  an  Sasunn,  an  duthaich  d' 
am  buin  iad  gu  nadurra.  Chuirinn 
muinntir  Eirinn  ann  an  crlch  ri  Czecho- 
slovakia, far  am  faigheadh  iad  an  leoir  de 
thapaid,  ach  leiginn  leis  na  h-Albannaich  iad 
fein  a  sgaoileadh  air  feadh  an  t-saoghail, 
agus  suidihe  ann  an  caithrichean  nan  uachd- 
aran,  mar  dhuais  am  macantais.  Nach  'eil 
e  air  a  radh  anns  a'  Bhiobull  gu'n  sealbhaich 
na  daoine  macanta  an  talamh  mai- 
oighreaohd  !  Agus  ciod  a  tha  sin  a'  ciall- 
achadh  ach  gur  coir  cead  an  coise  a  thoirt  do 
mhuinntir  Albainn  air  feadh  an  t-saoghail ! 
Bhiodh  ©  furasda  an  saoghal  a  riaghadh  na  'n 
robh  an  sluagh  air  an  roinn  air  an  doigh  so, 
seach  a  bhi  ann  am  measg  a  cheile  mar  a  tha 
iad,  ach  theagamh  nach  'eil  fear-meas  air 
thalamh  ris  an  earbadh  na  rioghachdan  an 
roinn  so  a  dheanamh.  An  earbadh  tu  fhein, 
a  leughadair,  ri  Gearmailteach  a  radh  c6 
as  macanta,  thu  fhein  no  esan  ? 

Ged  a  bhithear  a'  cur  as  leth  muinntir 
Obareadhain  gu  bheil  iad  na's  spiocaiche  na 
daoine  eile  theagamh  naoh  'eil  ann  an  sin 
ach  rud  a  thubhairt  namhaid  umpa.  Tha 
uiread  sgeulachdan  air  an  aithris  mu 
spiocaireachd  is  crine  Obareadhain  's  a  tha 
air  aithris  mii  euohdan  na  Feinne,  agus 
theagamh  nach  'eil  barrachd  firinn  anns  an 
dara,  seorsa  na  tha  anns  an  t-seorsa  eile 
Tha  cxiid  de  na  sgeulachdan  a  bhithear  ag 
innseadh  mu  Obareadhain  cho  scan  ris  a' 
cheo,  agusi  gheibhear  iad  anns  a  h-uile 
duthaich  fo'n  ghr6in,  cho  fada  air  falbh  ri 
Bagdad  is  Benares,  agus  air  an  innseadh  mu 
ludhaich  agus  mu  Arabaich.  An  uair  a 
thachras  duine  ormsa,  agus  a  thoisicheas  e 
air  rabhart  mu  chrine  muinntir  Obareadh- 
ain, tha  fhios  agam  gu  maith  gu  bheil 
naigheachd  ur  aige  a  tha  mar  theine  'n  a 
chnamhan  gus  an  innis  e  i.  Ach  tha 
amharus  agam  daonnan  gur  e  muinntir 
Obareadhain  fh^in  a  rinn  an  naigheachd, 
agus  gu  bheil  e  'na  urachadh  d'  an  spiorad 
a  bhi  cluinntinn  dhaoine  eile  'ga  h-inns- 
eadh.  Tha  fichead  doigh  neonach  aig 
naisinn  Albainn  air  fearas-ch\iideachd  a 
dheanamh,     agus    cha   'n  'eil  e  furasda    do 


choigreach  aig  a  bheil  inntinn  mhaol  a 
dheanamh  a  mach  co  dhiu  a  tha  muinntir 
Obareadhain  ann  am  feala-dha  no  ann  an 
da-rireadh.  Is  e  leabhar  an  Deathain 
Ramsay  leabhar  as  abhachaicbe  a  bha  riamh 
air  a  sgriobhadh  mu  mhuinntir  Albainn,  ach 
is  ann  a  Obareadhain  a  fhuair  e  a'  chuid 
as  motha  de  na  naigheachdan  a  tha  anns  an 
leabh.ir. 

Am  measg  nan  Gaidheal  tha  am  facal 
Eirionnach  a'  ciallachadh  duine  carach  no 
duine  olo;  nach  e  'n  t-Eirionnach  e!  Ach 
ciod  a  their  thu  ris  an  naigheachd  so  a  tha 
air  a  h-innseadh  le  Alpha,  brathair  Omega. 
"  Sheas  sinn  aig  dorus  a'  bhothain  (ann  an 
Eirinn)  agus  dh'  fheoraich  sinn  an^  faigh- 
eamaid  deoch  bhainne.  Thubhairt  a'  chaile 
dhubh  a  thainig  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis 
gu'm  faigheamaid  sin,  agus  dh'  iarr  i 
oirnn  dol  a  steach.  Thugadh  dhuinn 
caithrichean  agus  rinneadh  ar  beatha,  agus 
an  oeann  greis  thainig  a'  chaile  agus  mias 
mhor  aice  Ian  de  bhainne,  agusi  da  chupan, 
is  dh'  iarr  i  oirnn  sinn  fhein  a  chuideachadh. 
An  uair  a  bha  sinn  a  falbh,  thubhairt  sinn 
"  Gu  de  a  tha  againn  ri  phaigheadh?" 
"  Ri  phaigheadh,"  ars'  an  t-seana  bhean  a 
bha  aig  an  teine,  "cha  'n  'eil  dad;  cha  'n 
'eil  bothan  ann  an  Eirinn  anns  nach  fhaigh  an 
ooigreach  deoch  bhainne."  Sin  a'  cheud  chuid 
de'n  naigheachd,  ach  so  an  deireadh  aice. 
"  Bha  sinn  a'  dol  bho  Obar-Pheallaidh  gu 
Cillfhinn,  agus  le  teas  an  latha  thainig  am 
pathadh  oirnn.  Chaidh  sinn  sruas  gu  tigh 
beag  grinn  a  bha  ri  taobh  an  rathaid,  tigh 
air  an  robh  coltas  na  gioine  agus  a'  phailteis. 
Bhuail  sinn  aig  an  dorus;  thainig  geamair 
mor  laidir  a  mach  ;agus  dh'  fheoraich 
e  ar  gnothuch.  An  lathair  a'  gheamair 
bha,  sinn  'g  ar  faireachduinn  fhein  fada 
fada  air  falbh  o'n  tigh,  ach  dh'  fheoraich 
sinn  an  gabhadh  deoch  bhainne  faotainn. 
Gun  aon  fhacal  a  radh,  thionndaidh  e  air  a 
shail,  agus  an  ceann  greis  thainig  a  bhean  a 
mach  agus  am  bainne  aice  dhuinn,  boirionn- 
ach  air  an  robh  coltas  sgoinneil  ach  gun 
aoibh  air  bith  air  a  h-aodann.  An  uair  a  bha 
sinn  ag  61  a'  bhainne  sheas  i  mu  'r  coinneamh, 
a'  sealltuinn  air  SithchaiUin,  ach  diog  cha 
d'  thainig  as  a  beul.  DH'  61  sinn  ar  deoch 
ann  an  cabhaig,  oir  bha  sinn  a'  faireachd- 
uinn 'n  a  lathair  nach  bu  choir  tim  a  chall 
agus  nach  'eil  ann  an  seanchas  ach  amafdeas. 
"  Gu  de  a  tha  againn  ri  phaigheadh?" 
''  Sia  sgillinnean,"  ars'  am  boirionnach, 
agus  thionndaidh  i  air  a  sail  is  dhiiin  i  an 
dorus.  Bha  an  tigh  glan  agus  coltas  na 
sgoinne  air  na  daoine,  adh  bha  ni-eigin  a 
dhith  air  de'n  bhlaths  agus  de  sholus  a 
chridhe  a  fhuair  sinn  anns  a'  bhothan  eile. 


Air.    4. 


1925. 


SOLUS  ANNS  AN  EAGLAIS. 

(Bha  an  nai^heaohd  so  air  a  h-iunseadh  le 
aon  de  mhaithean  na  h-eaglais,  AM  MORAIli 
SANDS,  a  tha  cho  urramach  ann  an  obair 
an  t-soisgeil  's  a  tha  e  ann  an  eolas  an  lagha. 
Agus  CO  a  ghabhadh  air  fhein  teagamh  a 
chur  ann  am  faoal  duine  a  tha,  an  da  chuid, 
'na  fhoirbheaoh  anns  an  eaglais  agus  'na 
bhreitheamh  ann  an  cuirt  an  t-Seisein')- 


"  Gu  de  air  an  t-saoghal  a  tha  agad  an 
so?  "  arsa  Maighstir  Lockliart,  ministear  na 
sgireachd,  agus  e  a'  sealltuinn  air  paipear 
a  bha  air  a'  bhord,  ann  an  seomar  a  charaid, 
Maighstir  Spedding,  am  fear-lagha.  "  Sin 
agad,"  arsa  Spedding,  "  an  cunntas  air  obair 
na  bliadhna  a  tha  air  a  cliur  a  mach  leis  a' 
Chomunn  a  tha  a'  rannsachadh  diomhair- 
eachd  na  taibhsearachd. 

"  Cha'n'eil  thu  ag  radh  rium  gu  bheil 
thusa  air  do  ghlacadh  le  amaideas  is  faoineas 
de    'n  t-seorsa  sin?" 

"Air  nio  shon-sa,"  arsa  Spedding,  "  cha'n 
'eil  annam  ach  an  t-ana-creideach  co  dliiii, 
ach  tha  an  comunn  so  a'  feuchainn  ri  solus 
fhaotainn  air  nithean  aig  am  bheil  am 
barrachd  buintealas  ri  saoghal  nan  spiorad 
na  tha  aoa  ris  an  fheoil." 

Bha  am  ministear  'na  thosd  car  greis,  ach 
an  sin  thubhairt  e, — 

"  Cha  do  ghabh  mise  riamli  orm  fhein 
oomhairle  a  thoirt  oit,  ach  cha  'n  urrainn 
mi  gun  sin  a  dheanamh  a  nis;  as  uchd 
mhaitheis,  a  charaid,  leig  dhiot  an  torachd 
dhiomhain  agus  neon  ach  so.  Na  bean  ris  : 
na  blais :    na  laimhsich." 

*  *  -x-  * 

Oidihche  Di-sathuirne,  beagan  uine  an  deidii 
an  t-seanchais  ud,  bha  Maighstir  Lockhart 
'na  shuidhe  'na  onrachd  'na  sheomar,  a' 
criochnaohadh  a  shearmoin  air  son  an  la 
maireach.  Chunnt  e  na  duilleagan ;  bha  iad 
ann  se  deug,  agus  bha  fhios  aige  gu'n 
gabhadh  a  h-uile  duilleag  mionaid  agus 
oeathramh  'g  a  leughadh.  Bu  mhaith  leis 
an  tuilleadh  leudachaidh  a  dheanamh  aii-  a' 
phuinc,  ach  chuimhnich  e  gu'm  feumadh  e 
bi'uidhinn  ris  a'  ohoimhthiional,  an  deidh  an 
t-searmoin,  mu'n  ropainn  bhliadhnail  a  bha 
ri  bhi  aig  Guib/d,  nam  Ban,  agus  mai-  sin 
thuirt  e  ris  fhein  gu'm  b'  fhearr  dha  gun  dol 
OS  cionn  fichead  mionaid  leisi  an  t-searnion. 
Sgriobh  e  beagan  fhacal  eile ;  chuir  e  rivi 
sreathan  a  rinn  bard  ann  an  America,  agus 
bha  an  searmon  deas. 

Aig  a'   cheart   mhionaid  sin  chual  e  guth 


a  ujhnatha,  agus  i  a'  glaodhach  ris  o  mhullach 
na  staidhreach. 

"  Iain  ;  dhichuinshnich  mi  Ceasar  a  leigeil 
a  steach  ;  fosgail  an  dorus-beoil,  agus  dean 
fead  ris." 

Ach  oha  robh  ifeum  aig  Ceasar  air  feadair- 
eachd-  Bha  e  'n  a  shuidhe  gu  faighidinneach 
air  steap  an  doruis.  Bha  an  oidhche 
I'ionnagach,  reulagach;  agus  sheas  Maighstir 
Lockhart  greis  annsi  an  dorus,  ag  amharc 
suas  air  na  neamhan. 

"  Gabhaidh  sinn  an  ochdamh  salm  am 
maireaoh,"  ars'  esan  ris  fhein,  "  freagraidh 
i  air  an  t-searmon. " 

An  ath  mhionaid  luigh  a  shuil  air  an 
eaglais,  a  bha  mar  astar  ooig  fichead  ceum 
uaith, — agus  rud  iongantach  mu'n  am  ud  a 
dh'  oidhche, — bha  dealraclh  soluis  anns  na  h- 
uinneagan.  Chuir  am  ministear  an  ad  air 
ann  an  cabhaig,  agus  ghreas  e  a  null  a  dh' 
ionnsuidh  na  h-eaglais,  is  eagal  air  gu'm 
faodadh  gu'n  robh  i  air  theine,  mar  a 
thachair  do  eaglais  Yarrow.  Ach  an  uair 
a  thainig  e  dluth  dhi,  thuit  fuaim  air  a 
chluais  a  thug  faochadh  d'a  chridhe,  fuaim 
chaomh  is  bheannaichte  an  orgain.  Ach  06 
a  bha  'g  a  chluich  cho  anmoch  ?  Chuir 
Maighstir  Lockhart  car  ann  an  lamh  an 
doruis-mhoir,  ach  bha  an  dorus-mor  glaiste. 
Dh'  fheuch  e  an  dorus-cuil,  agus  an  sin  dorus 
na  vestri,  ach  bha  iad  sin  glaiste  ouideachd. 
A  reir  choslais,  ghlas  am  fear-ciuil  e  fhein  a 
steaoh.  Sheas  am  ministear  air  a  chorra- 
biod  aig  te  de  na  h-uinneagan,  ach  cha  b' 
urrainn  da  an  t-6rgan  fhaicinn.  Ach 
chunnaic  e  rud  a  chuir  ionghnadh  nach  bu 
bheag  air,  nach  robh  an  gas  laiste  idir,  ged 
bha  an  eaglais  air  a  lionadh  le  solus. 

Ged  nach  robh  cluas-chiuil  ro  mhaith  aig 
Maighstir  Lockhart,  ar  leis  gu'n  robh  e  ag 
aithneachadh  an  fhuinn  a  bha  air  a  chluich 
air  an  organ,  an  Dachaidh  Bhuan. 

Ach  cha  b'  urrainn  da  a  thuigsinn  air  an 
t-saoghal  c6  a  bha  anns  an  eaglais.  Cha 
i-obh  coir  no  oead  aig  duine  air  bith  a  bhi 
innte,  no  beantuinn  ris  an  organ,  ach  a  mhain 
aig  Maighstir  Wylie,  fear-ciuil  na  h-eaglais, 
agus  cha  robh  e  coltaoh  gu'm  biodh  esan  anns 
an  eaglais  aig  uair  cho  anmoch,  oir  bha 
fhios  aig  a'  mhinisteir  gu'n  robh  droch 
fhuachd   aige. 

Blia  iuchraichean  na  h-eaglais  aig  a' 
bheadall,  a  bha  fuireach  air  taobh  eile  an 
rathaid,  agus  chuir  am  ministear  roimhe 
gu'n  rachadh  e  a  dh'  iarraidh  a'  bheadaill. 
Bha  am  beadall  'na  luighe,  agus  leasg  gu 
eirigh  ;  ach  an  uair  a  chual  ©  gu'n  robh  far- 
bhalach  anns  an  eaglais  thainig  sprachd  'n  a 


14 


iosgaidean,  agus  chuir  ©  uime  a  bhriogais 
agus  a  bhrogan  ann  an  tiota,  agus  lean  e 
Maig"hstir  Lookhart.  Ach  an  uair  a  thainig 
iad  an  s&alladh  na  h-eaglais  bha  i  dubh 
dorcha ;  cha  robh  solus  no  solus  ri  fhaicinn. 
Aoh  tHuirt  iad  ri  oheile,  c6  air  bith  a  bha 
ann,  naoh  robh  uine  aige  air  an  eaglais 
fliagail,  agus  gU'n  rannsaicheadh  iad  an 
gnothuch  gu  ceann-criche. 

Bha  na  doxsan  glaiste  gun  teaganih.  Las 
iad  cuid  de  na  soluis,  ach  cha  robh  duine  ri 
fhaicinn,  agus  cha  robh  a  olioslas  gu'n  robh 
dad  cearr.  Dh'  fheuch  iad  an  t-6rgan,  ach 
bha  an  t-6rgan  mar  a  b'  abhaist.  Chuir  am 
beadall  a  lamh  air  pioban  a'  ghas  a  bha  ri 
taobh  an  orgain  a  dh'  fheuchainn  an  robh  iad 
teth,  ach  bha  na  pioban  ud  cho  fuar  's  ged 
nach  biodh  iad  laiste  bho  chionn  iSeaohduin- 
An  sin  dh'  fheuoh  e  an  iiineil-uisge  a  bha  ag 
oibreachadh  an  orgain,  ach  bha  e  cinnteach 
naioh  do  chuir  an  inneil-uisge  car  dhith ;  an 
oidhche  ud. 

Cha  robh  fhios  aig  a'  mhinisteir  ciod  a 
theireadh  no  a  shaoil&adh  e.  Cha  robh 
dearbhadh  air  bith  aige  do'n  bheadall  air  an 
rud  a  chunnaic  agus  a  chual  e ;  air  an  laimh 
eile  bha  deairbhadh  no  dha  air  fliaotainn  aig 
a'  bheadall  nach  robh  dreach  na  firinn  air  an 
naigheachd.  Ach  ged  nach  d'  thuirt  e  ris 
a'  bheadall  e,  bha  aon  ni  ann  a  bha  a'  togail 
fianuis  air  a  thaobh,  bha  an  leabhar-laoidh 
fosgailte  air  clar  an  orgain  aig  an  duilleig 
air  an  robh  an  Dachaidh  Bhuan. 

Chuir  iad  as.  na  soluis ;  ghlas  iad  na 
dorsan ;  agus  chaidh  iad  dhachaidh ;  am 
beadall  a  bha  leth-ruisgte  gu  maith  crosda  a 
chionn  gu'n  deachaidh  a  chur  as  an  leabaidh 
gun  aobhar,  agus  am  ministear  air  a  chur 
troimh-cheile  le  deacaireachd  a  bha  do- 
thuigsinn. 

Anns  a'  mhaduinn  bha  an  tuilleadh 
dorrain  air  a  chur  air  Maighstir  Lockhart 
le  fios  a  thainig  o  Mrs.  Wylie,  bean  an  fhir- 
chiiiil,  gu'n  robh  Maighstir  Wylie  'na  luighe 
tinn,  agus  nach  b'urrainn  da  an  t-organ  a 
chluich  anns  an  eaglais  an  t-Sabaid  ud.  Cha 
robh  duin©  eile  d'  am  b'  aithne  a  chluich 
ach  bean  an  fhir-lagha ;  aoh  cha  robh  feum 
ann  a  bhi  a'  smuaineachadh  oirre-se,  oir  bha 
mac  6g  aioe  Di-haoine.  Mar  sin  cha  robh 
air  a'  chiiis  ach  gu'm  feumadh  an  t-6rgan  a 
bhi  'na  thamh. 

An  uair  a  rainig  Maighstir  Lookhart  an 
eaglais  dh'  innis  e  do  aon  de  na  fir  a  bu 
phrionnspalaiche  anns  a'  choisir-chiiiil  mar 
a  bha ;  agus  dh'  larr  e  air  an  t-seinn  a 
ghabhail  os  laimh.  Bha  faitcheas  air  an 
duine  sud  a  dheanamh,  ach  gheall  ©  gu'n 
deanamh  iad  uil©  cho  mhaith  's  a  b'  urrainn 
daibh,  agus  dh'  atharraich  am  ministear  te 
d©  na  laoidhean,  is  thug  e  dhaibh  te  eile  a 
b'  fhasa-  An  sin  chaidh  e  a  steach  do'n 
vestri,    is  thug   e   siiil  eile   air   na   sreathan 


bardachd  a  bha  e  a'  dol  a  dh'  aithris  aig 
deireadh  an  t-searmoin,  agus  an  uair  a 
chunnaic  e  gu'n  robh  iad  aige  gu  siiibhiach 
air  a  theangaidh,  chuir  e  air  a  chasag  agus  a 
chleoca,  los  a  bhi  deas  an  uair  a  thigeadh  am 
beadall  'g  a  iarraidh.  Ach  am  feadh  's  a 
bha  ©  a'  feitheamh  cluinnidh  e  an  t-6rgan 
a'  toiseachadh  mar  a  b'  abhaist !  Bha  duine- 
eigin  'ga  chluich !  Thug  so  f  aochadh  is 
togail  d'a  inntinn,  agus  thuirt  ©  ris  fein 
gu'n  d'  fhuair  na  foirbhich  neach  air  chor- 
eigin  air  son  na  seirbhis.  Ach  cha  robh 
uine  aige  fhaighneachd  c6  a  fhuair  iad. 

Chaidh  an  t-seinn  air  a  h-aghaidh  gun 
chearb.  Ged  nach  robh  cluas-chiuil  ro 
mhaith  aig  Maighstir  Lockhart  b'  aithne  dha 
na'n  rachadh  dad  fada  oearr,  ach  cha  deach- 
aidh dad  cearr  an  la  ud,  agus  cha  bhiodh 
fhios  idir  aig©  nach  ©  Maighstir  Wylie  fhein 
a  bha  aig  an  organ  mur  bitheadh  aon  rud 
beag  a  ghlac  aire,  gu'n  robh  an  oeol  agus 
an  t-seinn  a'  toiseachadh  oomhla,  an  ait©  an 
t-6rgan  a  bhi  a'  togail  an  fhuinn  m'  an 
toisicheadh  an  coimhthionail  air  an  t-seinn. 
Ach  shaoil  ©  gur  h-ann  aig  an  fhear  ris  an 
do  bhruidhinn  ©  mu'n  t-seinn  a  bha  a  choire. 

An  uair  a  bha  an  t-seirbhis  ullamh  ohaidh 
am  ministear  do'n  vestri,  mar  a  b'  abhaist, 
a  chur  dheth  a  chleooa ;  agus  bha  e  air  sin  a 
dheanamh  an  uair  a  dh'  fhosgail  am  beadall 
dorus  na  vestri,  agus  na  leabhraichean  aige. 
Cho  luath  's  a  bha  an  dorus  air  fhosgladh 
rainig  fuaim  an  orgain  am  ministear,  agus 
a'  cheart  fhonn  a  chuala  e  an  raoir  'ga 
chluich  air,  an  Dachaidh  Bhuan. 

"  Co  an  coigreach,"  ars'  ©san  ris  a' 
bh©adall,  "a  leig  a  glais  sinn  an  diugh, 
agus  a  tha  cluich  an  orgain  fhathast?  Tha 
e  a'   leantuinn  air  gu  maith  fada." 

"  A'  cluich  an  orgain  !  "  ars'  am  beadall, 
"ciod  a  tha  sibh  a'  ciallachadh?  " 

"  Tha  mi  a'  ciallachadh  an  ruid  a  thubhairt 
mi,"  ars'  am  ministear,  gu  maith  grad  ;  "  co 
a  tha  la'  cluich  an  orgain?" 

"  Cha'n'eil  mise  a'  cluinntinn  gliong  ks 
an  organ,"  ars'  am  beadall;  "cha  robh  an 
t-6rgan  air  uisneachadh  an  diugh." 

"  An  ann  bodhar  a  tha  thu,  tjilleam,  arsa 
Maighstir  Lockhart,  nach  'eil  thu  'ga  chluinn- 
tinn  a  nis  !  " 

Co  dhiu  a  bha  am  beadall  air  son  am 
ministear  a  thoileachadh,  no  a  thug  e  air 
fhein  a  chreidsinn  gu'n  robh  e  'ga  chluinn- 
tinn,  thubhairt  e,  "  Ar  l©am  gu  bheil  mi  a' 
cluinntinn  seorsa  de  thiichanaich  neonach 
anns  an  eaglais ;  is  fhearr  dhuinn  sealltainn 
ciod  a  tha  ann-" 

Chaidh  iad  a  steach  comhla,  agus  direach 
an  uair  a  rainig  iad  taobh  thall  na  h-eaglais 
far  an  robh  an  t-6rgan  'na  shuidhe,  stad  an 
ceol,  agus  faioear  an  ooigreach  a  bha  'ga 
chluich  a'  gluasad  a  dh'  ionnsiuidh  an  doruis. 
Le  buill©  d'a  shuil  chunnaic  Maighstir  Lock- 


15 


hart  an  ooslas  duine  a  bha  ann ;  oganaoh 
ard,  gasda,  ann  an  eideadli  saighdeir. 
Choisich  an  t-6ganach  gu  luath  sios  troimh 
'n  eaglais,  gun  uiread  agus  aon  suil  a.  tho-ii't 
orra,  ach  ged  nach  bu  toigh  leis  a'  mhinisiteiv 
glaodhach  as  a  dheidh,  cha  mho  a  bha  e  air 
son  a  leigeil  air  falbh  gun  taing  a  thoirt  da, 
is  thuirt  e  ris  a'  bheadall ;  "  TJilleam,"  ars' 
esan,  "  ruith  as  a  dheidh  agus  abair  ris  gu'ni 
bu  mhaith  learn  bruidhinn  ris." 

"  Ruith  as  deidh  col  "  ars'  am  beadall." 
"  Co  ach  an  t-6ganach  a  bha  aig  an 
organ !  "  arsa  Maighstir  Lockhart,  "  nach 
'eil  thu  'ga  fhaicinn  a  dhuine  le  do  dha 
shiiil ;  tha  e  aig  an  dorus  niu  d'  choinneamh." 
Cha  robh  Uilleam  a'  faicinn  an  oganaich 
le  a  dha  shuil,  ach  do  bhrigh  nach  bu  toigh 
leis  dol  ro  laidir  an  aghaidh  a'  mhinisteir, 
is  e  a  thubhairt  e,  "  Ar  learn  gu  bheil 
sgaileagan  air  chor-eigin  aig  an  dorus,  ach 
bheir  mise  m'  fhacal  dhuibhy'''a  mhinisteir, 
nach  fhaigh  e  a  mach  an  rathad  ud,  oir 
ghlas  mise  an  dorus-rnor  an  deidh  do'n 
ohoimhthional  sgaoileadh." 

Mar  a  thubhairt  b'  fhior.  Bhia  an  dorus- 
mor  glaiste,  is  cha  robh  duine  ri  fhaicinn 
eadar  an  da  bhi.  Cha  robh  doigh  aige  air 
faotainn  a  mach  mur  do  thionndaidh  e  air 
ais  agus  mur  deachaidh  ©  a  mach  air  fear  de 
na  dorsan-taoibhe.  Thionndaidh  am  min- 
istear  agus  am  teadall  air  an  ais  cuideachd, 
ach  cha  robh  oganach  no  oganach  r'a 
fhaicinn  ;  bha  an  eaglais  cho  falamh  samhach 
ri  tigh-nam-marbh. 

"  Cha  chuala  mi  riamh  a  leithid  so, 
Uilleam,"  ars'  am  ministear  ;  "  c'aite  air  an 
t-saoghal  am  b'  urrainn  do  fhear-a'-chiuil 
dol?" 

"  Fear-a'-ohiuil !  "  ars'  Uilleam,  "  c6  am 
f  ear-ciuil  ?  " 

"  Am  lear-ciuil  a  chluich  an  t-6rgain  aig 
an  t-seirbhis  an  diugh." 

Sheall  am  beadall  air  a'  mhinisteir  gu 
diir ;  "  nach  'eil  fhiosi  agaibh  fein  cho  mhaith 
's  a  tha  agam-sa  nach  robh  an  t-6rgan  air  a 
chluich  aig  an  t-seirbhis;  ach  tha  eagal  orm, 
a  Mhaig'hstir  Lockhart,  nach  'eil  sibh  gu  ro 
mhaith  an  diugh ;  bu  choir  duibh  dol 
dachaidh  agus  leigeil  'n  'ur  sineadh  greis. " 
"  Uilleam,"  ars'  am  ministear,  agus 
fuaradh  froise  ag  eirigh  air  aodann,  "  thig 
leam  do  thigh-an-t-seisein  gus  'am  f aic  mi 
na  foirbhich." 

Rainig  iad  tigh-an-t-seisein ;  bha  na 
foirbhich  an  deidh  an  t-airgiod  a  chunntas  ; 
bha  fear  dhiubh  'ga  chur  sios  ann  am  leabhar 
fada  caol,  agus  an  dithis  eile  a'  cur  an  airgid 
ann  an  da  phasgan  bheag ;  an  t-airgiod  geal 
ann  an  aon  phasgan,  agus  na.  sgillinnean 
ruadha  ann  am  pasgan  eile. 

"  Maduinn  mhaith  dhuibh,  a  dhaoin- 
uaisle,"  arsa  Maighstir  Lockhart  ris  na 
foirbhich. 


B'e  an  Dotair  a  fhreagair  air  son  chaich, 
"  Mar  sin  duibh  fein,  a  mhinisteir;  tha  sinn 
toilichte  gu'n  deachaidh  an  t-seirbhis  air  a 
h-aghaidh  gu  gasda  an  diugh  as  eugmhais  an 
orgain.  Thug  an  t-seinn  'n  am  chuimhne 
mar  a  bha  an  eaglais  anns  na  seann  laithean, 
m'  an  robh  organ  idir  againn." 

Bha  am  ministear  mar  gu'n  cailleadh  e  a 
chainnt;  cha  d'  thubhairt  e  diog  tuilleadh 
mu'n  organ,  ach  m'  an  do  dhealaich  iad 
thuirt  ©  ris  an  Dotair,  "  Cha'n'eil  mi  'g  am 
fhaireachduinn  fhein  gu  maith  ;  ma  bhios 
nine  agad  anns  an  fheasgar  thig  a  steach 
do'n  Mhanse  mionaid  bheag  'g  am  fhaicinn." 
An  uair  a  ohaidh  am  ministear  dhachaiah 
bha  a  theaghlach  uile  'n  an  isuidh©  aig  a' 
bhord,  a'  f©ith©amh  ris;  a  bhean,  agus  a 
dhithis  bhalach,  agus  Mairi  bheag,  an  t-aon 
a  b'  oige, — caileag  bhoidheach,  le  fait  ban 
is  suilean  gorma,  se  bliadhna  a  dh'  aois. 

"0,  dhaidi,"  ars'  a'  chaileag,  "  c6  an 
saighdear  a  bha  ann  an  diugh?  " 

Chaidh  na  balaioh  a  ghaireachduinn,  aoh 
thainig  seorsa  de  ghruaim  air  aodann  am 
mathar. 

"  Gu  de  an  saighdear,  a  luaidh  bheag?" 
ars'  am  ministear. 

"An  saighdear  a  bha  ris  a'  cheol  anns 
an  eaglais,"  ars'   a'  chaileag- 

^  Chuir  so  na  balaioh  gus  an  tuilleadh 
gaireachduinn,  ach  sheall  am  mathair  orra, 
agus  dh'  iarr  i  orra  stad  iV  an  gaireach- 
duinn; "  Iain,"  ars'  is©  ris  an  duine,  "  cha 
'n  urrainn  mi  a  dheanamh  a  mach  oo  dhiii 
a  tha  Mairi  a'  fas  danarra  no  a  tha  rud- 
eigin  cearr  oirre,  ach  cha  ghabh  e  our  aisde 
gu'm  faoa  agus  gu'n  oual  i  saighdear  a' 
cluich  an  orgain  an  diugh." 

"  Bruidhneamaid  air  rud-eigin  eile  ach  an 
t-6rgan,"  ars  am  ministear,  le  guth  crithe- 
annach ;  ' '  ma's  ann  domhsa  a  tha  thu  a' 
lionadh  an  truinnseir  sin,  a  bhean,  tha 
tuilleadh  'g  a  choir  air,  oir  cha'n'eil  cail  do 
bhiadh  agam  an  diugh." 

Cha  mho  a  bha  cail  aige  do  chadal  an 
deidh  na  dinnearach,  ach  ged  nach  robh  e 
'ga  fhaireachduinn  fhein  gu  maith,  smuainich 
e  gu'n  raichadli  e  a  dh'  amharo  Mhaigstir 
Wylie  a  bha  tinn  air  an  leabaidh.  Bha  am 
feasgar  a'  ciaradh  an  uair  a  shuidh  e  aig 
taobh  na  leapa,  air  chor  agus  nach  bu  leir 
dha  gu  soilleir  na  bha  mu'n  cuairt  air  anns 
an  t-seomar,  ach  an  uair  a  thainig  Mrs. 
Wylie  a  steach  agus  a  las  i  an  solus,  laigh 
suil  a'  mhinisteir  air  dealbh  a  bha  erochte  air 
a'  bhalla,  dealbh  oganaich  ann  an  eideadli 
saighdeir.  Dh'  aithnich  Maighstir  Lock- 
hart an  dealbh, — d©albh  an  duine  oig  a 
chunnaio  e  anns  an  eaglais. 

An  uair  a  chunnaio  an  duine  a  bha  air  an 
leabaidh  gu'n  robh  suil  a'  mhinisteir  air  an 
dealbh,  thuirt  e  ris, — 

"  Sin  agaibh  mo  mhac  a  bha  air  a  mhar- 


16 


bhadli  anns  a'  chogadh.  Bha  e  'n  a  fhear- 
ciuil  maith,  agais  anabarrach  maith  air  an 
organ,  is  bhiodh  e  daonnan  ag  iarraidh  orni 
leigeil  leis  m'  aite  a  ghabhail  la  air  chor- 
eigin  anns  an  eaglais.  Tha  mi  duilich  a  nis 
nach  do  leig  mi  sin  leis;  ach  bha  e  car  an 
aghaidh  mo  naduir  duine  air  bith  a  chur  'n 
am  aite,  agus  co  dhiii  bha  mi  an  duil  gu'n 
I'obh  esan  ro  bg.  Ach  gheall  mi  dha  gu'n 
leiginn  leis  an  t-oi'gan  a  chluich  a'  cheud 
uair  a  bhiodh  dad  cearr  orm,  is  nach  b' 
urrainn  domh  fhein  a  dheanamh.  Agus 
na'n  robh  e  air  a  ohaomhnadh  gus  an  diugh, 
theagamh  gu'm  biodh  e  'n  am  aite. 

*  *  •!«■  * 

Latha  no  dha  'na  dheidh  sud,  fhuair  an 
riin-chleireach  aig  a'  Chomunn  a  tha  a' 
rannsaohadh  diomhaireachd  na  taibhsearachd 
agus  an  dara-seallaidh  an  litir  so :  — 

Manse  Bhaile-Bhldir, 

20mh  Id  de  November,   19 — 

"  Bhithinn  'n  ad  chomairv  na'n  cuireadh 
tu  m'   ainm     sios    mar    aon    de     hhuill    a' 
chomuinn-      Ma  leigeas  tu  fios  thugam  ciod 
a    hhios    agam   ri    phdigeadh,     cuiridh     mi 
thugad  e  leis  a'   'phosta. 

Is  mise,  etc., 

"  Iain    r.ockhart-" 

AM  BHEIL  E  UASAL? 
An  uiridh  dh'  innis  an  Dotair  Ogilvie,  a 
tha  air  cheann  craobhnsgaoileadh  an  t-soisgeil 
anns  na  duthchannan  thall,  doi'n  eaglais  nach 
gabhadh  an  obair  cumail  air  a  h-aghaidh 
mar  a  bha  i,  mur  tugadh  sluagh  na  h-eaglais 
an  tuilleadh  cuideachaidh  seachad  na  tha  iad 
a'  deanamh.  Ach  thuirt  Ard-Sheanadh  na 
ht-eaglais  nach  robh  maith  a  bhi  smuain- 
eachadh  air  an  obair  sin  a  lughdachadh,  oir 
gu'm  biiodh  e  'n  a  naire  agus  'n  a  thamailt 
do  Eaglais  na  h-Alba  mur  giiilaineadh  i  a 
roinn  fhein  de'n  dleasdanas  a  tha  aig 
eaglaisean  na  rioghachd  so  uile  a  thaobh  nan 
cinneacilx.  Agus  chuir  an  Seanadh  impidh 
air  cileirean,  is  ministearan,  is  coimhthion- 
ailean  na  h-eaglais,  iad  a  dheanamh  oidhirp 
air  barraohd  d'  am  maoin  a  thoirt  do  aobhar 
an  t-soisgeil  ann  an  1924  na  thug  iad  anns 
a'  bhliadhna  roimhe  sin.  Dh'  iarr  an  t-Ard- 
Sheanadh  tri  mile,  is  thug  an  eaglais  seachad 
tri  cheud.  Kud  bronach,  is  rud  narach,  ach 
feumai'  a  nis  sealltuinn  air  a'  chuis  ann  an 
clar  an  aodainn,  agus  a  reir  choslais,  cha'n 
'eil  fodhainn  ach  deanamh  mar  a  rinn  clann 
Ephraim,  a  thill  air  an  ais  ann  an  la  a' 
chatha.  Cha'n  e  so  an  uaisl©,  agus  idir 
idir,  cha'n  e  so  an  diadhaidheachd.  Cha'n 
e  cion  airgid  a 'tha  air  muinntir  na  h-eaglais 
ach  cion  toile.  Air  chiil  gach  aobhair  eile 
air  an  sipiocaireachd  so,  tha  an  t-aobhar  mor 
so,   mathair  chaich  uile,   nach   'eil  an  gradh 


no  an  dilseachd  do'n  Tighearna  losa  ann  an 
cridheachan  dhaoine  a  bu  choir  a  bhi  annta. 


CUMHA  D'A  MHNAOI. 

Airfonn — "  Cha  tig  Mor  mo  hhean  dhac?iaidh." 

Chaidh   mo   Sheonaid-sa   dhachaddh 
D'h'  ionnsuidh  cairtealan  buan, 
0  gach   tinneas   is  easlaint, 
'S  o  gach  i)eacadh  is  truaigh  ; 
0'  gach   trioblaid  is  daorsa 
Thai  's  an  t-saoghal   is  bron, 
A  dh'   ionnsuidh  na  tire 
'SI  am  bheil  sith  agus  gloir. 

Tha  mise  Ian  mulaid 
Trie  a'  tuireadh  's  mi  sgith, 
'S  mo  shuilean  a'  sileadh 
Le  bioradh  mo  chridh'  ; 
Aig  ouimlmeaohd  do  cheiiU-sa 
'S  do  bheus  air  gach  doigh, 
Bidh  mise  air  mo  reubadh 
Eadar  aoibhneas  is  bron. 

Bha  do  bheus-sa  ro  annamh 
Measg  bhan  a  fliuair  gras, 
Ann  an  tairiseadhd  inntinn 
Am  mineachd  's  an  gi'adh  ; 
Clia  h\v  daor  leat  an  eirig 
Dheanamli   reit'   agus   sith, 
Bhiodh  tu  bathadb  nan  eibhlean 
'N  uair  a  dh'  eireadh  aji  stri. 

Tha  na  bochdan  ag  acan 
Gu;'n  deaoh  Doircas  thoirt  uath, 
Lamh   fliialaidh   a'    phailteis 
Dheanadh  sgapadli  le  truas  ; 
Bhiiodli  do  chi'idhe  air  fhasgadh 
'N   uair   bhiodb   each   ann   an  cruas, 
Gu  minic  ag  iirnuigh 
Ris  a'  cbuirt  a  tha  shuas. 

G-ed  tha  mise  Ian  fadaohd 
Agus  m'  aigne  fo  leon, 
A'   oaoidh  na  bha  agam. 
'S  oixis  ladarn'  bhi  bron  ; 
Thug  Dia  i  gu  sabliailt 
Tre'n  fhasaoh  le  cliii, 
'S  'n  uair  thainig  am  bas 
Fhuair  i  lathaireachd  a  ghniiis. 

Ged  tha  mise  nis  cianail 

Lan   iargain   is  gi-\iaim, 

Fhnair  mi    da-i'hichea/l   Ivliadhn'    dhi 

Le  a  oiall  agus  stuadm  ; 

Caomh,   tairiseaoh,   ciatach 

Ann   am  fianuis  an  t-sluaigh. 

Gun    oilbheum  do'n  diadhachd 

Gus  na  tbriall  i  do'n  uaigh. 

[Le  unlearn  Mac  Coinnich,  maighsPir-sgoile  a 
chaochail  an  lonarnis,   ann  an  1838). 


Air.    5. 


1925. 


ATHAIR  NA  H-EAGLAIS. 


Le  bas  an  duine  chaoimh,  an  t-Ollamh 
Seumas  C.  Russell,  seana  mhinistear  Cheann 
Locha,  chain  eaglais  na  h-Alba  am  ministeai- 
a  bu  shine  innte  ann  an  dreuchd,  agusi  am 
ministear  a  b'  urramaiche  a  bha  innte  bho 
chionn  iomadh  bliadhna.  Bha  coslas  nan 
abstol  air  a  ghnuis,  agus  bha  spiorad  nan 
abstol  'na  chridhe.  Ma  bha  e  dreachmhor 
'na  phearsa,  agus  bha  e  sin,  bha  e  a  cheart 
cho  nasal   'na  nadur. 

Na  'n  robh  Nataniel  agus  Barnabas  agus 
Simeon  air  an  cur  comhla  agus  aon  duine  air 
a  dheanamh  dhiubh,  is  e  an  duine  a  thigeadh 
asda,  leithid  an  Dotair  Russell  nach  niair- 
eann.  Bha  e  gun  gho,  gun  chealg ;  bha  e 
'na  dhuine  maith,  Ian  de'n  Spiorad  Naomh 
agus  de  chreideamh ;  a,'  sioT  bheannachadh  an 
Tighearna  gu'm  faca  a  shuilean  aobhar  na 
h-eaglais  a'  soirbheachadh  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  seach  mar  a  bha  e  an  uair  a  chaidh 
e  an  toiseach  do  Cheann  Loch,  agus  a'  buan- 
achadh  ann  an  urnuigh  as  leth  Israel  Dhe. 

Is  coron  gloire  an  ceann  liath  a  gheibhear 
ann  an  slighe  an  ionracais ;  fad  a  bheatha 
gu  leir  cha  do  ghluais  an  Dotair  Russell  ann 
an  slighe  eile  ach  slighe  an  ionracais ;  an 
uair  a  shuidheadh  e  aig  bord  na  ComhairJe 
anns  an  Ard-Sheanadh,  am  measg  nan 
aithrichean  agus  nan  seanairean  eile,  bha 
uaisle  agus  ionracas  an  duine  ri  fhaicinn 
'na  cheann,  agus  'n  a  aodann,  agus  'n  a 
ghluasad.  Cha  ohuala  duine  eile  droch 
fhacal  bhuaith  riamh,  is  cha  mho  a  chunn- 
acas  fearg  no  gruaim  air  aodann.  Cha'n 
'eil  sin  a'  ciallachadh  nach  robh  e  laidir  gu 
leoir  gus  a  thaobh  fein  a  sheasamh,  an  uair 
a  bhiodh  cuisean  'g  an  cur  air  dealbh,  ach 
bha  e  daonnan  a'  coinneachadh  dhaoine  eile 
ann  an  spiorad  na  reite  agus  ann  an  spiorad 
a'  ghraidh. 

Fhuair  e  aois  mhor.  Bha  e  ceithir  fichead 
agus  a  ceithir  deug  an  iiair  a  shiubhail  e, 
is  tri  fichead  bliadhna  agus  a  h-aon  deug 
ann  an  dreuchd  na  ministrealachd.  Lean 
a  bhuadhan  uile  ris  cho  geur  's  a  bha  iad 
riamh  ach  a  mhain  a  chilaisteachd.  Bha 
a  ghuth  agus;  a  shuil,  a  chuimhne  agus  a 
mheomhair,  cho  soilleir  ri  guth  is  suil  is 
cuimhne  dhaoine  nach  robh  an  dara  leth 
cho  scan  ris.  Ach  ged  a  bha  e  coltach  ri 
Barsillai  a  thaobh  a  ohlaisteachd  cha  robh 
e  coiltach  ris  ann  an  doigh  eile,  oir  cha  d' 
fhairich  e  e  fein  riamh  ro  shean  air  son 
companaich  ura  a  dheanamh,  no  toiseachadh 


air  nithean  ura.  Bha  e  'na  dhuine  anab- 
arrach  stuama ;  stuama  'n  a  bhiadh  agus  a' 
tur  sheachnadh  dibhe,  agus  cha'n  'eil  teag- 
amh  air  bith  nach  tug  an  stuamachd  sin 
sineadh  laithean  dha.  Tha  gealladh  na 
beatha  so  aig  an  diadhaidheachd  cho  mhaith 
ri  gealladh  na  beatha  a  ta  ri  teachd. 

Tha  na  daoine  mora  a'  fas  gann  anns  an 
eaglais  an  diugh  seach  mar  a  bha  iad  ri  mo 
cheud  chuimhne.  C'aite  an  diugh  am 
faighear  ministearan  Gaidhealach  coltach 
ris  an  Dotair  Seumas  Mac  Ghriogair ;  an 
Dotair  Camshron  Lees  ;  Tormoid  Mac  Leoid  ; 
Iain  Mac  Leoid ;  an  Dotair  Blair  agus  an 
Dotair  Mac  Illeathain ;  an  Dotair  Mac 
Coinnich  agus  an  Dotair  Russell.  Cha  'n 
e  mhain  nach  'eil  iad  ann,  ach  cha  'n  aithne 
dhomh  CO  as  a  tha  iad  a'  dol  a  thighinn. 
Theagamh  gu  bheil  na's  lugha  de  mhinist- 
earan  gun  fheum,  agus  na's  lugha  de  mhin- 
isitearan  neonach  anns  an  eaglais  an  diugh 
na  bha  innte  anns  an  linn  a  chaidh  seachad, 
ach  gu  cinnteach  tha  na's  lugha  innte  de 
dhiadhairean  mora  gasda.  An  uair  a 
sheallas  duine  mu'n  cuairt  air  anns  an 
t-Seanadh  an  Duneideann,  agus  a  chuimh- 
nicheas  e  air  na  h-urracha  mora  a  b'abhaist 
a  bhi  mu'n  cuairt  a'  bhuird,  tha  e  duilich 
dha  a  chreidsinn  gu  bheil  na  laithean  so 
na'si  fhearr  na  na  seann  laithean. 

B'e  an  Dotair  Russell  am  fear  mu  dheir- 
eadh  d'a  sheorsa,  agus  bidh  a  cheann  liath 
air  ionndrainn  gu  mor  anns  an  t-Seanadh. 
Ach  bidh  e  air  ionndrainn  gu  sonruichte 
anns  a'  Chomadaidh  a  tha  sealltuinn  as 
deidh  chxiisean  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd.  Bha  e  air  cheann  na  Comadaidh 
so  bho  chionn  iomadh  bliadhna,  agus  gu 
cinnteach  bha  inntinn  agus  a  chridhe  innte. 
Co  b'  urrainn  suidhe  ceathramh  na  h-uarach 
anns  an  t-seomar  anns  am  bi  a'  Chomadaidh 
cruinn  gun  phlathadh  beag  fhaicinn  de'n 
eud  dhiadhaidh,  agus  de'n  ghaol  duthcha, 
agus  de'n  chaoimhneas-graidh,  a  bha  ann  an 
cridhe  an  Dotair  Russell.  Ged  nach  rachadh 
e  fad  a  choise  a  chum  duine  eile  a  dhean- 
amh d'a  chreideamh  fein,  rachadh  e  gu 
Tigh  Iain  Ghreota  ann  an  dudlachd  a' 
gheamhraidh  a  chum  brathair  bochd  a 
ohuideachadh.  Bha  e  cho  glan  'n  a  nadur 
ris  a'  ghrein ;  fada  na  b'fhialaidhe  le  a 
gporan  fein  na  bha  e  le  ionmhas  na  Comad- 
aidh Ghaidhealaich,  ged  tha  fhios  aig  an  t- 
saoghal  nach  robh  e  furasda  leis  gun  eisd- 
eachd  a  thoirt  do  athohuinge  air  bith  a 
ruiereadh  a'    Chomadaidh. 


If 


Cha  y  aithne  dhomh  ach  aon  duine  eile 
a  bha  ooltachl  ris  anus  an  fhaireachduinn 
a.  bha  daonnan  'n  a  chridhe  a  thaobh 
muinntir  na  Gaidhealtaohd  agus  nan  eile- 
anan,  an  t-OUamh  Alasdair  Mac  lUe 
Mhicheil  nach  maireann,  fear  eile  de  na 
daoane  macanta  aig  an  robh  cridhe  geal  is 
glan.  A?i  sluagh  grddhach, — sin  am  facal  a 
bhiodh  daonnan  air  bilean  na  dithis  chaomh 
ud  an  uair  a  bhruidhneadh  iad  mu  mhu- 
inntir  nan  eileanan,  agus  bha  iad  'ga  chiall- 
achadh.  Bha  iad  fein  'n  an  daoine  gradhach 
da-rireadh,  agus  chomhdaicheadh  iad  le 
falluinn   an  graidh  lochdan  an   diithcha. 

Tha  an  sean-fhacal  ag  radh  nach  fliaighear 
duine  gun  fhailing,  ach  ma  bha  failing  anns 
an  Dotair  Russell,  cha  'n  fhaca  mise  riamh 
i.  Theireadh  cuid  gu'n  robh  e  cho  aon- 
fhillte  e  fhein  's  nach  robh  e  duilich  do 
dhaoine  eile  an  oar  a  thoirt  as,  ach  ma's 
failing  sin,  is  failing  bhoidheach  i ;  agus 
failing  nach  togar  an  aghaidh  duine  an  uair 
a  ruigeas  e  geata  neimh.  Ged  is  maith  an 
rud  diodag  bheag  de  ghliocasi  na  nathrach, 
gu  sonruichte  am  measg  gineil  olo  is  fhiar, 
is  fhearr  Ian  meurain  de  neo-lochdas  a' 
chalmain  na  Ian  oumain  de  ghliocas  na 
nathrach. 

Cha  b'  ann  air  son  a  thalantan  no  a 
bhuadhan  a  bha  meas  aig  ministearan  eile 
air  an  Dotair  Russell,  ach  air  son  a  chaomh- 
alachd  agus  a  mhaitheis.  Bha  coslas  na 
sagartachd  is  cumhachd  na  diadhaidheachd 
ri  fhaicinn  'na  aodann ;  eadhon  'na  ghuth 
chluinneadh  tu  ni-eigin  de  throcair  an 
Tighearna. 


LEUGHADH  NAN  SGRIOBTURAN. 

An  uair  a  ghabh  an  t-Urramach  Niall 
Mac  Pharlain  B.D.  an  influenza  ann  an 
deireadh  an  earraich  bhiodh  an  eagiais 
diiinte  air  an  t-Sabaid  mur  bitheadh  gu'n 
do  thachair  gu'n  robh  ministear  beag  a 
Sasunn  ann  an  Cille-Sgumain  aig  an  am; 
fear  a  bhiodh  a'  tighinn  a  h-uile  bliadhna  a 
shiubhal  nead,  agus  a  chruinneachadh 
uibhean.  An  toiseach  cha  robh  na  foirbhioh 
uile  gu  leir  cinnteach  co  dhiu  a  bhiodh  e 
oeart  dhaibh  an  duine  ud  a  chur  air  cheann 
na  seirbhis,  duine  a  bha  a  reir  choslais  oho 
gorach  ris  na  balaich  bheaga.  Ach  an  uair 
a  chuala  Seonaid  Eachainn,  aig  an  robh  am 
ministear  beag  a'  fuireach,  ciod  a  bha  na 
foirbhich  ag  radh  chuir  i  puth  as  a  sr6in 
agus  thuirt  i  riutha  gu'n  robh  e  na  bui  lugha 
goraiche  do  dhuine  a  bhi  siubhal  an  t- 
isleibhe  ag  iarraidh  nead  seaoh  a  bhi  'n  a 
shuidho  anns  an  tigh-osda  aig  Tom  Elliot  a' 
lionadh  a  chuirp  le  uisgc-beatha.  Dh'  fhas 
am  maighstir-sgoil   dearg   anns   an   aodann, 


oir  bha  fhios  aige  gu    maith    gur    ann    air 
fhein  a  bha  Seonaid  a'  peilisteireachd. 

Ach  cha  b'e  siubhal  nan  nead  a  bha  cur 
dragha  air  ooguis  Iain  Mhic  Coinnich,  am 
foirbheach  a  bu  shine  anns  an  t-Seisein, 
ach  eagal  nach  robh  ministear  nan  uibhean, 
mar  theireadh  iad  ris,  falLan  anns  a'  chreid- 
eamh,  oir  bha  amharus  'na  inntinn  gui'n 
robh  muinntir  Shasuinn  agus  luchd  na 
Beurla  air  fad  air  tuiteam  air  falbh  bho 
theagasg  nan  aithrichean.  "Air  son  na's 
aithne  dhuinne  mu  thimchioll  an  duine,"  ars' 
esan  ri  each,  "  nach  fhaod  e  bhith  nach  'eil 
ann  ach  Arianach,  no  Socinianach,  no 
Sabellianach,  no  ma  dh'  fhaoidte,  Unitari- 
anaoh  no  U.P.  ?  "  Chuir  so  an  corr  de  na 
foirbhich  'n  an  tosd,  oir  cha  robh  fhios  aca 
00  na  daoine  uamhasach  a  bha  anns  na  h- 
Arianaich  agus  na  Sabellianaioh,  ach  mu 
dheireadh  thuirt  tuathanach  Bhaile-Sgait 
(agus  eagal  air  gu'n  tigeadh  air  fhein 
urnuigh  a  dheanamh  anns  an  eagiais  mur 
faigheadh  iad  ministear  a  dheanadh  an  t- 
seirbhis),  nach  deanadh  e  cron  do'n  choimh- 
thional  eisdeachd  ris  a'  ohoigreach  air  son 
aon  Sabaid,  co  dhiu  a  bha  ann  Arianach  no 
Muiloach.  Bha  a'  cheart  eagal  air  na 
foirbliich  eile  a  bha  air  tuathanach 
Bhaile-Sgait,  eagal  gu'n  tigeadh  orra 
fhein  seasamh  air  beulaobh  an  t-sluaigh  mur 
gabhadh  ministear  faotainn,  agus  bha  iad 
toilichte  gu  leoir  cuireadh  a  thoirt  do  mhin- 
istear  nan  uibhean  dol  an  oeann  na  seirbhis. 
Rinn  an  duine  an  rud  a  dh'  iarr  iad  air 
gu  toileach.  Dh'  innis  e  dhaibh  nach  robh 
duil  aige  an  uair  a  dh'  fhag  e  a  thigh  fein 
gu'n  tigeadh  a  leithid  sud  de  ghairm  thuige, 
agus  mar  sin  nach  do  chuir  e  searmon  'n 
a  bhaga.  Dh'  innis  e  dhaibh  cuideachd 
gu'm  b'  ann  do'n  eagiais  Shasunnaich  a 
bhuineadh  e,  agus  nach  robh  e  cleachdte 
ri  doighean  na  h-eagiais  Chleirich,  gu 
sonruichte  a  thaobh  nan  urnuighean.  "Ach 
is  e  a  ni  mi,"  ars'  esan  ris  na  foirbhich, 
"  leughaidh  mi  earrann  de  na  sgriobturan 
dhuibh  agus  miniohidh  mi  iad  mar  is  fhearr 
is  urrainn  mi,  agus  an  sin  iarraidh  sinn 
beannachd  an  Tighearna  air  ar  beachd- 
smuaineachadh." 

Sin  mar  a  bha.  Air  la  na  Sabaid,  an 
uair  a  ohaidh  e  suas  do'n  chubaid,  thug  e  a 
mach  an  t-Salm, 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 

Agad-sa,  Dhia  nan  diil; 

Is  ann  ad  sholus  dealrach  glan 

Chi  sinne  solus  iuil. 
An  sin  dh'  fhosgail  e  am  Biobull  agus 
thoisich  e  air  leughadh  ann  an  leabhar  an 
fhaidh  Hosea,  ach  ma'n  deachaidh  e  fad  air 
aghaidh,  thoisich  e  air  innseadh  dhaibh  mar 
a  chaidh    an    leabhar  a  sgriobhadh ;    mar  a 


19 


bha  Hosea  air  a  smaohdachadh  le  Dia  agus 
air  a  chlaoidheadh  le  drocli  bhean ;  mar  a 
theagaisg  Dia  dha  le  fiosrachadh  a  bheatha 
fein  na  nithean  a  labhair  e  an  deidh  laimhe 
ri  Israel;  dh'  innis  e  dhaibh  mu'n  t-suidh- 
eachadh  aims  an  robh  sluagh  an  Tighearna 
aig  an  am,  na  beachdan  a  bha  aca  a  thaobh 
Dhe  agus  ciod  a  bha  Dia  a'  feuchainn  ri 
theagasg  daibh.  Lean  e  air  mar  sin  da  uair 
an  uaireadair,  greis  a'  leughadh  is  greis  a' 
mineachadh,  gus  an  deachaidh  e  troimh  'n 
leabhar  uile,  agus  an  sin  rinn  e  urnuigh 
ghoirid,    is  bha   an  t-seirbhis   oriochnaichte. 

Ged  a  b'  ann  ann  am  Beurla  a  bha  e  a' 
bruidhinn  thuig  muinntir  Chille-Sgumain 
na  thubhairt  e  cho  mhaith  '&  ged  a  bhiodh 
6  a'  labhairt  ann  an  Gaidhlig,  agus  ma  dh' 
innsear  an  fliirinn,  bha  e  na  b'  fhasa  a 
thuigsinn  na  Niall  Mac  Pharlainn  B.D.,  ged 
is  tioram  a  Ghaidhlig.  Ged  a  tha  Iain  Mac 
Coinnioh  car  cumhann,  agus  amharusach  air 
Goill  isi  air  daoine  nach  buin  do'n  aon 
eaglais  ris  fhein,  tha  e  cuideachd  'na  dhuine 
diadhaidh  agus  'n  a  dhuine  caomh,  agus 
fada  m'  an  do  sguir  am  ministear  bu  choma 
leis  CO  dhiu  a  bha  ann  Arianach  no  Etiopach, 
agus  is  e  a  thubhairt  e  ris  na  foirbhioh  eile 
an  uair  a  chaidh  iad  a.  steach  do'  thigh  an 
t-seisein,  "  Nach  robh  ar  cridhe  a'  lasadh 
annainn  an  uair  a  dh'  fhosgail  e  dhuinn  na 
sgriobturan."  Bha  na  foirbhich  agus  an 
coimhthional  uile  cho  toilichte  leis  an  t- 
sieirbhis  's  a  bha  Iain  Mac  Coinnich,  agus 
thuirt  Calum  Domhnullach,  am  beadall,  an 
deidh  laimhe,  gu'm  b'e  sud  a'  oheud  Sabaid 
riamh  a  ohunnaio  e  eaglais  Chille-Sgumain 
gun  duine  'na  chadal  innte.  Cha'n  e  mini- 
stear beag  nan  uibhean  a  their  iad  ris  an 
duine  ann  an  Cille-Sgumain  a  nis,  oir  fhuair 
iad  a  mach  co  e,  agus  bheir  iad  dha  ainm 
agus  a  shloinneadh.  Canon  S.  D.  Marlow, 
D.D.,  ard-sgoilear  ann  an  Oilthigh  Cham- 
bridge,  a  tha  teagasg  an  t-Seann  Tiomnaidh 
do  mhinistearan  oga. 

Cha'n  eil  leabhar  air  an  t-saoghal  a  dh' 
fhuiling  uiread  foi  lamhan  na  feadhnach  a 
tha  teagasg  as  ris  a'  Bhiobull,  agus  cha  mho 
a  tha  leabhar  eile  air  an  t-saoghal  air  a  bheil 
an  fheadhainn  a  bhios  'g  a  chluinntinn  air 
a  leugliadh  cho  aineolach.  Anns  an  la  diugh 
tha  miltean  de  dhaoine  nach  'eil  a'  leughadh 
a'  Bhiobull  dhaibh  fein,  agus  aig  nach  'eil  de 
eolas  air  aoh  na  tha  iad  a'  togail  an  uair  a 
chluinneas  iad  e  air  a  leughadh  anns  an 
eaglais.  Anns  an  eaglais  cluinnidh  iad  da 
chaibideil  air  an  leughadh  a  h-uile  Sabaid, 
te  as  an  t-Seann  Tiomnadh  agus  t6  eile  as 
an  Tiomnadh  Nuadh,  gun  aon  fhacal  air  a 
radh  umpa  a.  chur  soluis  orra.  A'  bheil  e 
iongantach,  mata,  gu'm  biodh  troimh-cheile 
ann  an  inntinnean  dhaoine  mu  theagasg  a' 


Bhiobuill,  no  gu'm  biodh  e  do  mhoran 
dhaoine  'n  a  leabhar  gun  bhlas?  Gu  fort- 
unach  tha  a'  chuid  as  motha  de'n  Tiomnadh 
Nuadh  'ga  mhineachadh  fein;  tha  e  cho 
soilleir  's  nach  teid  eadhon  na  daoine 
baoghalta  air  seachran  ann,  ach  cha'n  'eil 
an  Seann  Tiomnadh  mar  sin ;  tha.  moran 
dheth  cho  dorcha  agus  cho  dealaiohte  bho 
smuaintean  dhaoine  anns  an  linn  so  's  nach 
gabh  ©  tuigsinn  eadhon  le  daoine  tiirail  mur 
bheil  na  h-iuchraichean  a  dh'  fhosglas  e  air 
an  toirt  daibh.  Is  e  dleasdanas  na  h-eaglais, 
dleasdanas  mhinistearan,  sin  a  dheanamh ; 
agus  cha  'n  abrainn  gu  bheil  ministear  air 
bith  anns  an  la  diugh  a'  ooimhlionadh  a 
dhreuchd  mur  bheil  e  a'  fosgladh  nan  sgri- 
obturan gu  cothromach  d'a  shluagh,  agus  a' 
toirt  dhaibh  an  teagaisg  a  tha  e  fein  a'  faot- 
ainn  bho  sgoilearan  diadhaidh  mu'n 
Bhiobull. 

Bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  bha  mi 
ann  an  eaglais  Chille-Sgumain,  ach  cha  b'  e 
coigreaoh  a  bha  air  cheann  na  seirbhis  ach 
Niall  Mao  Pharlainn  B.D.  e  fein.  "  Leugh- 
amaid  "  ars'  esan,  "  facal  an  Tighearna 
mar  a  tha  e  air  a  sgriobhadh  ann  am  faidh- 
eadaireachd  Isaiah,"  agus  gun  aon  lide 
mineachaidh  leugh  e  so  do'n  choimhth- 
ional :  — 

Trom  eallach  fasaich  na  fairge;  mar  dhoin- 
ionnaihJi  anns  an  airde  deas,  a'  dol  seachad; 
o'n  fhasach  tha  e  teachd,  o  thir  uamhasaich.  Dh' 
fhoillsicheadh  sealladh  eagallach  dhomh;  tha  an 
cealgair  a'  caitheadh  feill,  agus  tha  am  fear- 
er eachaidh  a'  creachadh.  Bach  suas  0  Elaim; 
teannaich  0  Mhedia;  chuir  mise  crioch  air  a 
h-uile  osnaich.  TJime  sin  Uonadh  mo  leasraidh 
le  cradh;  ghlac  piantan  mi  mar  phiantaibh  mna 
ri  saothair-chloinne.  Bha  mi  air  mo  chroraadh 
sios,  aij.  uair  a  chuala  mi;  dh'  fhas  mi  air  chrith 
an  uair  a  chunnaic  mi.  Ghlisg  mo  chridhe; 
ehuir  namhas  fiamh  orm;  feasgar  mo  shblais 
thionndaidh  e  gu  h-uamhunn  domh.  Deasaich 
«m_  hdrd;  suidhich  an  fhaire;  ith;  61; 
eirihh  a  cheanna-feadhna;  ungaihh  an 
sgiath.  Oir  mar  so  thubhairt  an  Tighearna 
num.  Imich;  suidhich  fear-faire;  an  ni  a  chi 
e  innseadh  e.  Agus  chunnaic  e  carlad  le  da 
mharcach,  carlad  le  asalaihh,  carlad  le  camh- 
alaibh,  agus  thug  e  fanear  gu  dichioUach  le 
geur  aire.  Agus  ghlaodh  e,  Ledmhan;  Mo  thigh- 
earna,  ta  mi  a'm'  sheasamh  an  comhnuidh  ann 
am  ionad-faire,  air  feadh  an  la,  agus  tha  m.i  a' 
fantuinn  air  mo  fhreiceadan  re  gach  oidhche. 
Agus,  feuch,^  an  so  tha  carbad  do  dhaoinibh  a' 
teachd,  le  da  mharcach.  Agus  fhreagair  e  agus 
thubhairt  e,  Tha  Babilon  air  tuiteam,  air  tuit- 
eam,  agus  tha  uile  dhealbhan-snaidhte  a 
diathan  air  am  briseadh  gu  Idr.  Och  mo  bhu- 
aladh  agus  arbhar  m'  urlair !  an  ni  a  chuala  mi 
0  Thighearna  nan  .sluagh,  Dia  Israeil,  chuir  mi 
an  ceill  duibhse.  Trom  eallach  Dhumah.  Dh' 
eigh  e  rium  o  Sheir,  Fhir  na  faire,  ciod  b'n 
oidhche\.  Fhir  na  faire,  ciod  o'n  oidhche? 
Thubhairt  am  fear-faire,  Tha  a'  mhaduinn  a,' 
teachd,  agus  fos  an  oidhche:  ma  dh'  fhiosraich- 
eassibhse  fiosraichibh ;  pillibh,  thigibh.  An 
fhaistneachd  mu  thimchioll  Arabia.       Anns  an 


20 


fhrith  ann  an  Arabia  gahhaidh  s'lbh,  tamli,  a 
chuideachda-smbhail  Dhedanim,.  Thug  luchd- 
uiteachaidh  tire  Thema  uisge  a  dh'  ionnsuidh 
an  tartmhoir ;  le  an  aran  thdinig  iad  an  cddhail 
an  fhdgaraich.  Oir  o  na  cldidliibh  theich  iad, 
o'n  chlaidheamli  ruisgte,  agus  o'n  bhoglia  liibta 
agus  o_  bhoile  a'  chogaidh.  Oir  mar  so  thubhairt 
an  Tighearna  rium,  Fathast  bliadlina.,  mar 
bhliadhnaibh  fir-thuarasdail,  agus  bitliidli  uile 
ghldir  Chedair  air  caitheadh  as.  Agus  lughd- 
aichear  fuigheall  aireimh  nam  fear-boglia  fir 
threuna  de  mhacaibh  Chedair;  oir  labhair  an 
Tighearna  Dia  Israel  (xsi). 

An  uair  a  chriochnaich  e  an  leughadh 
thuirt  e  "  Gu'm  beannaicheadh  an  Tigh- 
earna dhuinn  leughadh  Fhacail,"  ach  ma 
bha  facial  o'n  Tighearna  anns  a'  bhrochan 
ud  do  dhaoine  eile  anns  an  eaglais,  gu  cinnt- 
each  cha  robh  e  ann  dhomh  fhein.  Cha'n 
aithne  dhomh  aolihar  air  bith  gu'm  biodh 
criomain  de'n  t-seorsa  so  air  an  leughadh 
ann  an  eisdeachd  sluaigh  mar  gu'm  bu 
theachdaireachd  iad  o  Dhia,  agus  cha  tig 
toradh  air  bith  as  an  t-seorsa  crabhaidh  sin 
ach  gu'm  fas  daoine  suarrach  air  a'  Bhiobull 
agus  gu^n  saoil  iad  nach  'eil  ann  ach  sgri- 
obhaidhean  gun  bhun  gun  bharr. 

Tha  feum  mor  aig  an  eaglais  an  diugh  air 
daoine  d'  an  aithne  am  Biobull  a  theagasg 
ann  an  doigh  a  ni  Facal  an  Tighearna  beo 
is  cumhachdachd,  agus  na'm  biodh  ooimh- 
thionailean  glic  air  an  son  fein  cha  taghadh 
iad  duine  mar  mhinistear  ach  duine  d'  an 
aithne  am  Biobull  a  mhineachadh,  daoine 
ooltach  ri  Bani  agus  Serebiah  agus  lamin 
agus  Acub  agus  Sabetai,  agus  na  Lebhithich 
a  bha  ann  an  Jerusalem  ann  an  laithean 
Nehemiah ;  leugh.  iad  ann  an  leabhar  Tagha 
Dbe  gu  soilleir,  agi/s  thug  iad  an  seadh 
seachad ;  agus  thuig  an  sluagh.  Cia  meud 
eaglais  anns  an  duthaich  anns  am  bheil  sin 
air  a  dheanamh  an  diugh?  Mar  is  trice 
cluinnear  deagh  shearmoin,  agus  deagh 
sheinn,  agus  urnuighean  freagarrach,  ach 
tha  na  sgriobturan  air  an  droch  leughadh 
agus  air  am  fagail  gun  fhosgladh. 


AN  INNTINN  LAGHAIL. 

Chuir  Simon  mac  Ghebiah,  duine  coir  a 
bha  fuireach  ann  an  Samaria,  a  mhac  a  bu 
shine  do  lorusalem  do^'n  sgoil.  Mu'n  do 
chriochnaich  an  gille  fhoghlum  dh'  fhas 
athair  tinn.  Bha  amharus  aig  an  t-seann 
duine  nach  rachadh  e  na  b'  fhearr,  agus  mar 
sin  chuir  e  a  chuisean  saoghalta  an  ordugh, 
is  rinn  e  a  thiomnadh.  Dh'  fhag  e  na  biha 
aige  do  fhear  de  na  traillean  a  bha  'na 
sheirbhis,  ach  air  a'  chumhnant  so,  cumhnant 
a  bha   air   a  chur   anns  an  tiomnadh,   gu'n 


leigeadh  e  le  mhac,  an  t-oighre  dligheaoh, 
apn  rud  de  na  bhuineadh  d'a  athair  a  thagh- 
adh,    mar    chuimhneaohan. 

Cho  luath  's  a  shiiibhail  an  seann  duine 
chaidh  an  traill  do  lerusalem  a  dh'  innseadh 
do'n  ghille  mar  a  thachair,  agus  dh'  innis 
e  dha  mu'n  tiomnadh  cuideachd. 

Bha  bron  air  a'  ghille  air  son  bas  athar, 
ach  bha  dorran  is  fearg  air  mu'n  tiomnadh. 
Chuir  e  a  chomhairle  ris  an  Rabbi  a  bha 
'g  a  theagasg;  dh'  innis  e  dha  facal  air  an 
fhacal  mar  a  bha  anns  an  tiomnadh,  is 
thuirt  e  ris  nach  robh  fhios  aige  air  an  t- 
saoghal  iod  a  rinn  e  gus  oilbheura  a  thoirt 
d'a   athair. 

"Bha  t'  athair,"  ars'  an  Rabbi,  "  'n  a 
dhuine  glic  agus  tha  a  thiomnadh  a'  noch- 
dadh  sin  gu  soilleir." 

"  Ciod  a  tha  sibh  a'  ciallachadh,"  fhreag- 
air  an  gille,  "  an  gnlomh  glic  no  caoimh- 
neil  e  do  athair  air  bith  a  mhaoin  a  chur 
seachad  air  a  mhac  agus  a  thoirt  do 
thraiU?" 

"  Eisd  thusa  riumsa,"  _  arsi'  an  Rabbi, 
"  agus  creid  mi  gur  e  an  gliocas  a  thug  air 
t'  athair  deanamli  mar  a  rinn  e.  Bha  fhios 
aige  nach  biodh  tusa  dliith  an  uair  a  thig- 
eadh  a'  chrioch  air,  agus  gu'n  struidheadh 
na  traillean  a  chuid  uile  mu'n  tigeadh  tu 
dhachaidh,  agus  mar  sin  rinn  e  a  thiomnadh 
air  an  doigh  ud  los  gu'm  biodh  an  traill  a 
bha  air  ainmeachadh  ann  curamach  mu'n 
dileab  a  tha  e  an  diiil  a  bhuineas  d'a  fein." 

"  Buinidh  cuid  m'  athar  dha  gun  teag- 
amh,"  ars'  an  gille,  "oir  tha  e  sgriobhta 
le  peann  is  dubh ;  cha'n  fhios.  domh  c'aite 
a  bheil  mo  bhuannachd-sa." 

"  Tha  mi  a'  faioinn,"  ars'  an  Rabbi, 
"  nach  'eil  gliocas  ann  an  cridhe  duine  oig. 
Nach  'eil  fhios  agad,  a  dhuine  ghoraich,  gur 
ann  d'a  mhaighstir  a  bhuineas  traill,  agus 
naoh  d'  fhag  t'  athair  agad  le  thiomnadh 
coir  air  rud  air  bith  a  bhuineadh  dha  a 
thaghadh  dhuit  fein?  Tagh  thusa  a?i  traill 
fhein,  agus  an  sin  bidh  maoin  t'  athar  agad 
cuideachd." 

Sin  a  rinn  an  gille,  agus  fad  iomadh  latha 
'na  dheidli  bhiodh  e  a'  cnuasachadh  'na 
inntinn  f6in  air  an  fhacal  so  ann  an  leabhar 
lob,  Anns  na  h-aosda  tha  gliocas,  agus  am 
fad  laithean  tuigse. 

Ciod  a  their  thu  fein,  a  leughadair,  ris 
an  naigheachd  so,  naigheachd  a  tha  air  a 
sgriobhadh  anns  an  Tahnud,  aon  de  leabh- 
raichean  diadhaidh  nan  ludhach  anns  an  I'obh 
iad  a'  gabhail  mor  thlachd?  Tha  i  a'  leigeil 
fhaicinn  an  seorsa  dhaoine  a  bha  anns  na 
Rabbaidhean ;  gheibheadh  iad  rathad  air 
litir  an  lagha  a  choimhead  am  feadh  's  a  bha 
iad  a'  dol  calg-dhireach  an  aghaidh  an  lagha, 


Air.    6. 


1925. 


LUCAS. 
Lucas,  an  High  grddhach.     Colos.  iv.,  IJf. 

Ann  an  Gnlomharan  nan  Abstol,  leabhar 
a  bha  air  a  sgiiobhadh  le  Lucas,  tha  iomradh 
air  a  dheanamh  air  seailadh  no  aisling  a 
chunnaic  Pol  ann  an  Troas.  Chunnaic  e 
duine  araidh  o  Mhacedonia  a  thubhairt  ris, 
Thig  thairis  gu  Macedonia  agus  cuidich 
leinn.  Tha  cuid  de  dhiadhairean  am  beachd 
gii'm  b'e  Lucas  fhein  an  duine  o  Mhacedonia. 
An  viair  a  thainig  Pol  gu  Troas  cha  robh  e 
cinnteach  ciod  an  t-aite  an  rachadh  e  a  shear- 
monachadh  an  t-soisgeil ;  bha  e  a'  feitheamh 
ri  solus  is  treorachadh  fhaotainn  o'n  Spiorad 
Naomh.  Ach  am  feadh  's  a  bha  e  eadar-^ha- 
bharail  thachair  e  fhein  agus  Lucas  air  a 
cheile.  Dh'  innis  Pol  do  Lucas  mar  a  bha 
cuisean  d'a  thaobh  ;  gu'n  robh  an  dorus  air 
a  dhunadh  air  anns  an  Asia,  ach  nach  do 
rinn  e  suas  inntinn  fhathast  ciod  an  taobh 
eile  an  tionndadh  e.  Ghabh  Lucas  an  coth- 
rom  a  fhuair  e  agvis  ghuidh  e  air  Pol  dol 
air  thurus  soisgeulach  gu  Macedonia,  gu 
muinntir  a  dhuthcha  fein.  Dh'  innis  e  dha 
mu'n  dorchadas  uamhasaoh  anns  an  robh 
iad,  agus  ghuidh  e  air  oidhirp  a  dheanamh 
guis  an  cosnadh  do  Chriosd.  Bha  Lucas  e 
fein  air  iompachadh  beagan  uine  I'oimhe 
so,  agus  bha  iarrtus  'n  a  chridhe  gu'm 
faigheadh  an  duthaich  d'  am  buineadh  e 
beannachdan  an  t-soisgeil  mar  an  ceudna. 
Rinn  seanchas  Lucais  drudhadh  air  inntinn 
Phoil,  agus  an  deidh  dha  dol  a  laighe  an 
oidhche  ud  chunnaic  e  bruadar.  B'e  am 
bruadar  a  chunnaic  e,  gu'n  robh  fear  de 
mhuinntir  Mhacedonia  'n  a  sheasamh  m'a 
choinneamh,  ag  asluchadh  air  tighinn  'g  an 
cuideachadh.  Ghabh  Pol  am  bruadar  no  an 
seailadh  so  mar  chomharradh  gu'n  robh  an 
Spiorad  'g  a  ghairm  do  Mhacedonia,  agus 
air  ball  rinn  e  suas  inntinn  gu'n  rachadh  e 
ann. 

Cha  'n  aithne  dhuinn  moran  mu  bheatha 
Lucais,  ach  a  reir  gach  cunntais  a  fhuaras 
uime  bha  e  'n  a  dhuine  maith.  Bha  gaol 
mor  aig  Pol  air,  agus  cha  b'  ionghnadh  ged 
a  bha,  oir  bha  Lucas  cho  dileas  do  Phol  ri 
ou  d'a  mhaighstir.  An  leigh  grddhach,  sin 
mar  a  bhiodh  Pol  a'  labhairt  uime,  agus 
tha  cuid  de  sgoilearan  am  beachd  gur  e 
Lucas  a  bha  ann  an  inntinn  Phoil  an  uair 
a  labhair  e  mu'n  hhrdthair  a  tha  a  chliu  's 
an  t-soisgeul  air  feadh  nan  eaglaisemi 
idle.  (2  Cor.  viii,  18.)  Bha  e  'n  a  chomp- 
anach  aig  Pol   air    da    thurus    soisgeulach. 


agus  cha  'n  e  mhain  gu'n  robh  uigh  aige  ann 
an  aobhar  an  t-soisgeil  ach  choisrig  e  a 
bheatha  agus  a  mhaoin  gus  an  obair  sin  a 
chuideachadh.  Cha  'n  urrainnear  a  radh 
o'aite  no  ciamar  a  fhuair  e  eolas  na  firinn, 
ach  CO  dhiu  cha  'n  '  il  Pol  a'  labhairt  uime 
mar  a  mhac  anns  a'  chreideamh,  mar  tha  e  a' 
labhairt  mu  Thimoteus  agus  mu  Thitus. 

An  uair  a  bha  Pol  ann  an  Troas  cha  robh 
e  idir  gu  maith.  Bha  a  shuilean  goirt.  Air 
a  thurus  do  Ghalatia  fhuair  e  an-cothrom  is 
saruchadh  a  mhill  a  bhodhig.  Cha  robh 
bodhig  Phoil  ro  laidir  air  a  feabhas,  ach  ma 
bha  an  fheoil  apfhann  bha  an  Spiorad  toil- 
each,  is  thug  Pol  giullachd  d'a  chorp  ann  an 
seirbhis  an  t-soisgeil  a  mhilleadh  corp  samh- 
anaich.  "Ghabhadh  te  slataibh  orm  tri 
uairean  ;  chlachadh  mi  aon  uair ;  dh'  fhuil- 
ing  mi  long-bhriseadh  tri  uairean ;  la  agus 
oidhche  bha  mi  's  an  doimhne;  ann  an  tur- 
usaibh  gu  minic,  ann  an  gabhadh  aibhnich- 
ean,  ann  an  cunnartaibh  fhear-reubainn, 
ann  an  cunnartaibh  o  na  Cinnich,  ann  an 
cunnartaibh  's  an  fhairge,  ann.  an  saothair 
agus  sgios,  ann  an  acras  agus  tart,  am  fair- 
ibh  gu  minio,  an  trasgaibh  gu  minic,  am 
fuachd  agus  an  lomnochduidh."  Cha  'n 
'eil  iongantas  air  bith  ann  gu'n  do  bhris  air 
a  shlainte,  agus  gu'n  robh  e  a'  giulan  comh- 
arraidhean  an  Tighearn  losa  'n  a  chorp.  Tha 
6  gle  choltach  gu'n  do  chuir  Pol  feum  air 
dotair  an  uair  a  bha  e  ann  an  Troas,  agus 
gu'm  b'e  an  dotair  a  dh'  amais  e  air  fhaot- 
ainn, Lucas.  Agus  tha  e  gie  choltach  cuid- 
eachd  gu'n  robh  Luoas  air  a  tharruing  gu 
mor  ri  Pol  cho  luath  's  a  thachair  iad  air  a 
cheile,  agus  gu'n  do  rinn  e  suas  inntinn  a 
dh'  aon  ruith  nach  robh  doigh  eile  ann  anns 
am  b'  fhearr  a  b'  urrainn  da  aobhar  an  t- 
soisgeil  a  chuideachadh  na  Pol  a  leantuinn 
agus  curam  a  ghabhail  d'a  shlainte  air  a 
thurusan  soisgeulach.  Co  dhiu,  is  e  sin  a 
rinn  e;  dh'  fhag  e  Troas  maille  ri  Pol,  agus 
dh'  fhan  e  maille  ris  gus  an  do  chuir  am 
bas  dealachadh  eatorra.  Anns  an  litir  mu 
dheireadh  a  sgriohh  Pol,  an  uair  a  bha  e  's  a' 
phriosan  anns  an  Roimh,  agus  binn  a  bhais 
air  bheul  a  bhi  mach,  thubhairt  6,  Tha 
Lucas  'w  a  aonar  maille  rium.  Threig 
Demas  e,  oir  ghradhaich  e  an  saoghal,  ach 
bha  an  lighiche  gaolach  dileas  gu  bas. 

An  deidh  bas  Phoil  chuir  Lucas  an  ordugh 
cunntas  air  fas  na  h-eaglais,  agus  air  beatha 
agus  saothair  an  abstoil.  Sgriobh  e  mar  an 
ceudna  an  soisgeul  a  tha  air  ainmeachadh 
air,  air  chor  agus  gu'n  do  thog  e  a  charragh- 


22 


chuimhne  fein  le  a  pheann.  Air  dha  a  bhi 
marbh  tha  e  fathast  a'  labhairt;  tha  a 
sgiiobhaidhean   beo    is   cumhaohdach. 

Bha  lamh  aig  moran  dhaoine  ann  an 
sgriiobhadh  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  ach  bha 
barrachd  de'n  Tiomnadh  Nuadh  air  a 
sgriobhadh  le  Lucas  na  le  duine  air  bith  eile. 
Mar  so  tha  moran  an  crochadh  r'a  fhacal 
agus  r'a  fhianuis,  oir  is  ann  air  an  Tiomn- 
adh Nuadh  a  tha  an  creideamh  Criosduidh 
air  a  steidheaohadh.  Ann  an  aon  seadh  is 
e  Lucas  an  urrainn  as  fhearr  a  tha  againn 
mu  bheatha  agus  mu  theagasg  Chriosd,  ged 
nach  robh  e  'n  a  shuil-fhianuis  air  na  nith- 
ean  a  tha  e  ag  aithris,  agus  is  e  an  fhianuis 
as  fhearr  a  tha  againn  mu  ohraobh-sgaoil- 
eadh  an  t-soisgeil  anns  a'  cheud  linn.  A 
thaobh  ceud-thoiseacha  na  h-eaglais,  tha 
iomadh  rud  gle  dhorcha  fhathast,  ach  bhiodh 
a'  h-uile  rud  ann  an  tiugh  dhorchadas  mur 
bitheadh  gu'n  do  sgriobh  Lucas  na  leabh- 
raichean  a  sgriobh  e.  Na'n  d'  fhan  e  samh- 
ach  bhiodh  moran  de  'n  t-saoibhreas  a  tha 
againn  anns  na  Sgriobturan  air  chall,  agus 
cha  bhiodh  an  fhianuis  a  tha  air  taobh  a' 
chreidimh  Chriosduidh  oho  laidir  's  a  tha  e. 
Mar  so  faodar  a  radh  da  rireadh  gur  e  Dia 
fein  a  chuir  ann  an  cridhe  Lucais  a  bhuadh- 
an  a  chleachdadh  anns  an  doigh  so,  agus 
fios  cinnteach  a  thoirt  do  na  creidmhich  a 
thigeadh  'n  a  dheidh  air  na  nithean  anns 
an  deachaidh  an  teagasg. 

Ach  ciamar  a  fhuair  Lucas  eolas  air  na 
nithean  air  a  bheil  e  a'  tighinn  thairis  anns 
na  leabhraichean  a  sgriobh  e?  Tha  e  fur- 
asda  gu  leoir  a  radh  ciamar  a  b'  aithne  dha 
mu  bheatha  agus  mu  shaothair  Phoil,  oir 
bha  e  'n  a  chompanach  aig  an  abstol  fad 
iomadh  latha.  Ach  cha  robh  e  riamh  'n  a 
chompanach  aig  losa.  Bha  losa,  marbh 
mu'n  tainig  Lucas  gu  ire  duine.  Theagamh 
nach  fhaca  e  Criosd  riamh  agus  nach  cual 
e  e  a'  teagasg.  Cha  b'e  ludhach  a  bha  ann, 
agus  cha  robh  e  air  aireamh  am  measg  nan 
abstol.  Ciamar,  ma  ta,  a  fhuair  e  am  fios- 
rachadh  a  bha  aige  mu  cheud-thoiseacha  a' 
chreidimh?  Fhuair,  ann  an  tomhas,  bho 
Phol,  agus  bho  'n  oigh  Muire,  agus  bho 
chairdean  losa.  Ged  nach  b'  aithne  dha 
Criosd  ann  an  laithean  fheola  b'  aithne  dha 
moran  dhaoine  a  bha  maille  ri  losa  ann  an 
Galile,  agus  fhuair  e  eolas  cinnteach  bhuapa- 
san  air  na  nithean  a  tha  e  ag  aithris  dhviinne. 
Bha  Lucas  agus  Marc  comhla  anns  an  Roimh 
an  uair  a  bha  Marc,  fo  sheoladh  Pheadair, 
a'  cur  an  ordugh  an  leabhair  a  sgriobh  e 
f6in,  agus  cha  'n  'eil  teagamh  nach  d'  fhuair 
Lucas  iomadh  seanchas  fada  a  dheanamh  ri 
Marc.  An  uair  a  bha  e  a'  fuireach  ann  an 
Caesarea  maille  ri  Pol  ghabh  e  an  oothrom 


■air  dol  do  Nasaret  a  cheasnachadh  dhaoine 
mu  na  nithean  a  ohual  iad  bho  losa  agus  na 
miorbhuilean  a  chunnaic  iad.  Tha  e  gle 
choltach  gur  ann  o  Mhuire  fein  a  fhuair  e 
fios  nan  nithean  dlomhair  is  domhain  air  an 
do  labhair  e  ann  an  toiseach  a  sboisgeil,  mu 
bhreith  an  t-Slanuigheir  agus  mu  Joseph 
agus  mu  Shacarias  agus  mu  Elisabet.  Faod- 
aidh  e  bhith  gu'n  d'  fhag  Muire  'n  a  deidh 
cunntasi  "air  na  nithean  a  thaisg  i  'n  a 
cridhe,"  agusgu'm  faca  a  cairdean  iomchuidh 
an  cunntas  sin  a  ohur  ann  an  lamhan  an 
lighiche  ghaolaich  an  uair  a  thoisich  e  air  a 
shoisgeul  a  sgriobhadh.  Cha  b'  urrainn 
daibh  a  chur  ann  an^  lamhan  a  b'  fhearr. 
Ach  a  thuilleadh  air  sin  bha  co-chruinneach- 
adh  de  "  Ghniomharan  agus  de  bhriathran 
Chriosd  "  air  beulaobh  Lucais  an  uair  a 
sgriobh  o  a  leabhar  fein,  co-chruinneachadh 
nach  'eil  an  diugh  a  lathair  ged  a  bheireadh 
sgoilearan  an  suilean  air  son  aon  sealladh 
dheth.  An  uair  a  bha  Criosd  air  thaiamh 
cha  do  sgriobh  e  aon  fhacal  d'a  theagasg, 
agus  cha  mho  a  sgriobh  na  h-abstoil  e.  Am 
feadh  's  a  bha  e  maille  riu  cha  do  smuainich 
iad  riamh  air  sin  a  dheanamh,  oir  cha  d' 
fhairich  iad  gu  robh  feum  air.  An  deidh 
dha  am  fagail  bha  a  theagasg  air  a  ghleidh- 
eadh  air  chuimhne  "le  beul-aithris  na  h- 
eaglais.  Ach  an  uair  a  bha  fear  an  deidh  fir 
de  na  oompanaich  a  bha  maille  ris  a'  bas- 
achadh,  agus  aireamh  na  feadhnach  a  chual 
a  theagasg  le'n  cluasan  fein  a'  fas  beag 
chunnaic  an  eaglais  gu'm  feumadh  i  seol  air 
chor-eigin  a  ghabhail  los  cuimhne  a  chumail 
air  a  bheatha  agus  a  theagasg  agus  eolas 
cinnteach  a  thoirt  do  na  deisciobuil  oga  a 
bha  ag  eirigh  suas  mu  thimohioll  am  Maigh- 
stir.  Rinneadh  sin  am  feadh  's  a  bha  na 
ceud  chreidmhich  fhathast  a  lathair,  ach  cha 
'n  'eil  gin  de  na  leabhraichean  sin  air  faot- 
ainn  an  diugh.  Ach  faodaidh  e  bhith  nach 
'eil  an  call  so  cho  mor  's  a  shaoileas  cuid  de 
dhaoine,  oir  bha  na  seann  duilleagan  sin  ann 
an  lamhan  Lucais  agus  ann  an  lamhan  nan 
daoine  eile  a  chuir  r'a  cheile  na  soisgeulan 
a  tha  againn  anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 
Cha  'n  'eil  teagamh  nach  tug  Lucas  agus 
each  asda  na  b'  fhiach  a  thoirt  asda. 

Thubhairt  diadhair  araidh  nach  'eil 
leabhar  eile  anns  an  t-saoghal  cho  maiseach 
ri  soisgeul  Lucais,  eadhon  mar  litreachas. 
Cha  ruig  mise  a  leas  cur  an  aghaidh  an  fhac- 
ail  sin,  oir  is  e  soisgeul  Lucais  leabhar  as 
docha  leam  anns  a'  BhiobuU.  Gheibh  thu 
ann  cluaintean  glasa  nach  fhaigh  thu  ann 
an  gin  de  chaoh ;  cluaintean  ciuin  is  samh- 
ach  anns  an  cluinn  thu  oran  nan  naomh 
agus  nan  ainglean.  Cha  'n  'eil  aon  idir  de 
na  daoine  a  sgriobh  amBiobull  a'  cur  uiread 


23 


cudthroim  air  oaomhalachd  Chriosd  's  a 
tha  Lucas  a'  deanamh,  agus  is  e  esan  a 
mhain  a  dh'  innis  duinn  tri  no  ceithir  de  na 
cosmhallachdan  'as  dluithe  a  tha  teachd  ri 
oridhe  na  diadhaidheachd  ;  cosmhalachd  an 
Pharasaich  agus  a'  chis-mhaoir,  cosmhalachd 
an  t-Samaritanaich  chaoimh  a  rinn  cobhair 
air  an  duine  a  bha  air  a  leon,  agus  cos- 
mhalachd a  mhic  eas-umhail  a  chaidh  air 
seachran  ann  an  duthaioh  chein.  Bha  Lucas 
6  fein  gu  nadurra  'n  a  dhuine  caomh,  blath- 
chridheach ;  agus  bha  e  mar  an  ceudna  'n  a 
dhuine  ionnsaichte  aig  an  robh  farsuing- 
eachd  inntinn  nach  robh  aig  na  h-Iudhaich. 
Bha  na  h-Iudhaich  daonnan  cumhann  'n  an 
inntinn,  agus  dhuraichdeadh  iad  Criosd  a 
dheanamh  cho  cumhann  riutha  fein,  Slan- 
uighear  nan  ludhach  a  dheanamh  dheth  an 
aite  Slanuighear  an  t-saoghail.  Ach  cha 
robh  an  leigh  gradhach  mar  sin.  Cha  robh 
cumhannachd  'n  a  inntinn-san  gu  nadurra, 
agus  bha  eadhon  an  inntinn  nadurra  sin 
ann  air  a  diiblachadh  a  thaobh  farsuing- 
©achd  an  uair  a  dh'  oibrich  gras  Dhe  'n  a 
chridhe.  'A  thuilleadh  air  isin  bha  e  fad 
moran  bhliadhnachan  fo  theagasg  Phoil  agus 
ann  an  companas  Phoil,  agus  cha  bu  diith 
do  dheisciobuil  no  do  chompanaich  Phoil  a 
bhi  beag  no  cumhann,  oir  bha  e  fein  cho 
mor  agus  cho  farsuing  agus  cho  uasal  'n  a 
inntinn,  is  chuir  e  seachad  a'  chuid  a  b' 
fhearr  d'a  bheatha  a'  searmonachadh  sois- 
geul  nan  saor  ghras  do  na  cinnich,  agus  do 
dhaoine  eile  air  an  dunadh  na  h-Iudhaich 
dorsan  na  h-eaglais. 

Is  e  Lucas  a  chum  air  chuimhne  na 
briathran  a  bu  chaomhaile  a  labhair  Criosd, 
agus  air  an  aobhar  sin  tha  fior  aileadh  an 
t-soisgeil  ri  fhaireachadh  anns  a'  h-uile  sreath 
d'a  leabhar.  Bha  an  soisgeul  dha  fein  'n  a 
dheagh  sgevd  mhor-aoibhneis,  agus  sin  an 
cliu  a  bu  mhaith  leis  a  thoirt  air  an  t- 
soisgeul  do  dhaoine  eile.  B'©  coslas  na  diadh- 
achd  is  moralachd  do-labhairt  an  ni  son- 
ruichte  a  chunnaic  Eoin  ann  an  losa,  ach  bha 
cridhe  Lucais  air  a  tharruing  gu  losa  leis 
an  truaoantachd  agus  a'  chaonihalachd  a  bha 
ann. 

Ach  air  a  shon  sin  bha  Eoin  agus  Lucas 
ag;  aoradh  do'n  aon  Slanuighear.  Cha  'n  e 
da  dhealbh  a  tha  iad  a'  toirt  duinn  naoh 
'eil  idir  coltach  ri  cheile,  ach  da  thaobh  de 
'n  aon  dealbh.  Tha  Criosd  e  fein  na's  motha 
na  gu'n  gabh  e  tomhas.  Cha  chuairtich  aon 
inntinn  e  gu  brath,  agus  cha  'n  fhaic  aon 
siiil  e  ann  an  lanachd  agus  ann  an  iomlan- 
achd  a  ghloire.  Tha  lend  is  farsuingeachd 
is  doimhne  ann  an  nadur  Chriosd  nach  do 
rannsaich  eadhon  Eoin  no  Pol,  agus  nach 
rannsaich  na  naoimh  gu  siiorruidh. 


MADAINN  AGUS  FEASCxAR. 

Bu  mhaith  learn  anns  an  aireamh  so  cunn- 
tas  goirid  a  thoirt  air  da  laoidh  a  tha  freag- 
arrach  gu  bhi  air  an  seinn  aig  aoradh 
inaidne  agus  aoradh  feasgair.  Tha  e  iomch- 
uidh  gu  moladh  daoine  Dia  anns  a'  mhad- 
uinn  air  son  fois  na  h-oidhche,  agus  gu'n 
iarradh  iad  a  bheannachd  agus  a  stiiiradh 
m'  an  toisioh  iad  air  obair  an  latha,  agus 
cha  'n  urrainn  iad  sin  a  dheanamh  ann  am 
briathran  as  fhearr  na  'n  t-6ran  maidne  a 
rinn  an  t-Easbuig  Tomas  Ken. 

0  m'   anam,    duisg,   is  leis  a'   ghrein, 
Imich  air  sligh'  do  dhleasnais  fein  ; 
Mosgail   o  t'   airtneul,   's  tairg  le  gradh 
An  lobairt  mhaidne  do'n  Ti  as  aird. 

Gach  cliii  do  Dhia  a  ghleidh  mi  slan, 
'S  a  dh'  iiraicli  mi  le  fois  is  tamh ; 
Deonaich  o'n  iiir  'n  uair  dh'  eireas  mi 
Beatha  gun  ohrich  an  riogh'ohd  na  sith. 

Dh'  locainn  as  ur  mo  bhoid  dhuit  fein  : 
Fuadaich  mo  ohionnt  mar  dhriichd  roimh 

'n  ghrein ; 
Mo  smuaintean  stiiiir  is  gleidh-mo  chridh, 
'S  le  d'  laithreachd  fein,  0,  sasuich  mi. 

Na  labhras  mi   's  na  thig  am  bheaohd, 
Stiuir  thus'  an  diugh  an  geill  do  d'  reaohd, 
'S  gu'n  tugainn  dhuit-sa,  mar  is  coir, 
Le  m'  thoil  's  le  m'  chridhe  cliu  is  gloir. 

Thugaibh  cliu  do  Dhia  na  gloir, 
Thugaibh  cliu  dha  uile  shloigh, 
Molaibh  air  neamh,   0  aingle  caomh 
An  t-Athair,  am  Mac,  's  an  Spiorad  Naomh. 

Tha  corr  agus  da  cheud  bliadhna  bho 
chaochail  an  duine  maith  a  sgriobh  an 
laoidh  so.  Bha  e  'n  a  shearmonaiohe  gle 
ainmeil  'n  a  dinn  ;  sgriobh  e  moran  leabhr- 
aichean  agus  ghiulain  e  teas  is  uallach  an 
latha  anns  an  eaglaisi  Shasunnaich  anns  na 
laithean  dorcha  ud  anns  nach  robh  moran 
eud  no  beatha  no  diadhaidheachd  innte,  ach 
ged  nach  cluinnear  an  diugh  an  t-iomradh 
as  lugha  air  na  leabhraichean  a  sgriobh  e, 
no  air  na  h-oibrichean  eile  a  rinn  e,  tha  an 
laoidh  bheag  so  a'  cumail  ainme  agus  a 
chuimhne  b©6.  Tha  neo-bhasmhorachd  aig 
na  baird  nach    'eil  aig  daoine  eile. 

Rinn  Tomas  Ken  an  laoidh  so  air  son  te 
de  na  sgoilean-mora  a  tha  ann  an  Sasunn,  is 
bha  i  air  a  sgriobhadh  air  ballachan  an  t- 
seomair  anns  am  biodh  na  baiaich  a' 
cadal.  Cha  ruig  mi  a  leas  eaohdraidh 
a  bheatha  innseadh  air  an  duilleig  so,  ach 
tha  aon  ni  sonruichte  a  bu  mhaith  leara  inn- 
seadh dhuibh  uime,   a  chionn  gu  bheil  e  a' 


24 


nochdadh  gii  soilleir  ciod  an  seorsa  diiine  a 
bha  ann.  Bha  e  cho  neo-eisiomaileach  's  a 
bha  6  diadhaidh.  Ged  a  bha  taobh  aig  an 
teaghlaoh  rioghail  ris  airson  geiread  a  bhu- 
adhan  agus  cumhachd  a  shearmonachaidh, 
cha  b'  urrainn  do'n  righ  no  do'n  chuirt  a 
bheul  a  dhunadh,  no  stad  a  chur  air  ann 
an  togail  fianuis  an  aghaidh  aingidheachd 
spioradail  ann  an  ionadaibh  arda.  An  iiair 
a  ohaidh  an  righ  air  thuruiS  gu  Winchester 
chuir  e  fios  gu  Tomas  Ken  gu'n  rachadh  e 
air  aoigheachd  d'a  thigh,  ach  an  uair  a 
chual  an  duine  beusach  gu'n  robh  an  righ  a' 
toirt  leis  caileag  bheag-narach  nach  bu  bhean 
dha  gu  bhi  comhla  ris,  thubhairt  e  ris  an 
righ  suil  mu'n  t-sroin  nach  faodadh  e  a' 
bhiasd  a  thoirt  a  steach  d'a  thigh-san.  Cha 
do  chord  an  t-achmhasan  ud  ris  an  righ  aig 
an  am,  ach  an  deidh  laimhe,  an  uair  a  bha 
Easbuig  iir  ri  bhi  air  a  chur  a  steach  ann  am 
Bath,  thubhairt  e  ris  a'  Chomhairle,  "Thug- 
aibh  an  t-aite  do'n  fhear  bheag  nach  leigeadh 
a  steach  Nell."  An  uair  a  bha  an  righ  air 
leabaidh  a  bhaisi  b'e  Tomas  Ken  am  ministear 
a  bha  air  iarraidh  gu  bhi  'g  a  ullachadh  air 
son  a'  bhais. 

Am  measg  nan  laoidbean  feasgair  oha   'n 
'eil  raoran  laoidhean  as  taitniche  na'n  te  so: 

A  Shlan'gheir  ghraidh  mo  ghrian  is  tu  ! 
Cha  'n  oidhche  ach  la  'n  uair  bhios  tu  dliith  ; 
Na  h-eireadh   neula,    talmhaidh,    diunh'l, 
'Ga  fhalach  mach  o  bheachd  mo  shul. 

'N  uair  thuiteas  dealt  a  chadail  chiuin, 
'S  gu  seimh  mo  rosgan  sgith  gu'n  duin, 
Laigheam  le  solas  Ian  de'n  smuain, 
Gu  brath  bhi  sint'  air  uchd  an  Uain  ! 

Fan  learn  o  mhoch  gu  laighe  grein' 
Cha  bhi  mi  beo  as  d'  eugmhais  fein ; 
Fan  leam  'n  uair  bhios  an  oidhche  fas 
As  d'  eugmhais,  0  na  faigheam  bas. 

Aon  leanabh  seachrain,  bochd  an  diugh. 
Ma  chuir,  le  tarcuis,  cul  li  d'  gluub, 
'Na   anam  toisich  obair  ghrais, 
'G  a  dhusgadh  o  chlos  peacaidh  's  bais. 

An  t-euslan  fair;  air  bochd  dean  foir, 
Le  beannachdan  neo-ghann  do  stoir, 
Biodh  cadal  luchd  a'   bhroin  a  nochd 
Mar  chadal  naoidhein  sheimh  gun  lochd. 

Bi  leinn  'n  uair  clh'  fhosglas  sinn  ar  suil, 
Troimh  'n  t-saogh'l  bi  fein  dhuinn  ad  fhear- 

iuil, 
Gus  ann  an  cuan  gun  chrich  do  ghraidh 
x\m  faighear  sinn  an  Riogh'chd  an  Aigh. 

Cha  robh  minist&ar  riamh  anns  an  eaglais 
Shasunnaich,  no  ann  an  eaglais  air  bith 
eile,  a  bu  choltaiche  ris  na  h-abstoil  na  Iain 
Keble,  iighdar  na  laoidh  so.     Rugadh  e  ann 


an  teaghlaoh  diadhaidh,  is  choisrig  a  phar- 
antan  e  do  sheirbhis  an  Tighearna  mar 
leanabh.  Thug  e  barr  air  a  cbo-aoisean  uile 
ann  am  foghlum,  air  chor  agus  gu'n  deach- 
aidh  oliu  a  bhuadhan  air  feadh  na  tire  uile 
m'  an  gann  a  thainig  e  gu  ire  duine.  An 
uair  a  bha  e  tri  bliadhna  fichead  chuireadh 
air  leth  e  gu  dreuchd  na  ministrealachd, 
agus  fad  leth-cheud  bliadhna  bha  e  'na 
sholus  dealrach  anns  an  eaglais.  Ach  thach- 
air  dhasan  cuideachd  mar  a  thachair  do 
Thomas  Ken ;  cha  'n  e  an  obair  a  rinn  e  mar 
shearmonaiche  a  tha  oumail  ainm  air 
chuimhne  ach  a'  bhardachd  Spioradail  a 
rinn  e. 

An  uair  a  bha  Keble  'n  a  dhuine  6g  bha 
an  eaglais  Shasunnach  ann  an  droch  staid. 
Bha  an  sluagh  gun  sgoil,  is  bha  a'  chuid 
mhor  de  na  ministear  an  gun  eud.  B'  fhear  r 
leo  a  bhi  ruith  a'  mhadaidh-ruaidh  agus  a 
bhi  tilgeadh  nan  cearcan-tomain  na  bhi  a' 
teagasg  anns  a'  chrannaig.  Ach  cha  robh 
Keble  mar  sin.  Bha  a  chridhe-san  air  a  lion- 
adh  le  eud  diadhaidh.  Chuir  e  roimhe  gu'm 
feuchadh  e  ri  ciiisean  a  leasachadh,  agus 
chruinnich  e  mu'n  ouairt  air  daoine  oga  a 
bha  de'n  cheart  inntinn  ris  fein.  Bha  buaidh 
anabarrach  aige  thairis  air  gillean  oga,  agus 
chuir  e  siol  'n  an  inntinnean  a  thug  a  mach 
toradh  mor  eadhon  'n  a  latha  fein,  agus  a 
tha  toirt  a  mach  toraidh  fhathast.  Their 
euid  de  dhaoine  nach  'eil  an  toradh  sin  a 
chum  buannachd  air  bith  do'n  eaglais,  agus 
nach  do  rinn  an  luchd-leanmhuinn  aig  Keble 
ach  cleaohdannan  a  chur  air  chois  anns  an 
eaglais  Shasunnaich  nach  buin  do'n  chreid- 
eamh  Phrostanach.  Ach  co  dhiu  a  tha  na 
cleachdannan  sin  Prostanach  no  Papanach, 
dhiiisg  na  daoine  ud  eud  is  beatha  anns  an 
eaglais  air  an  robh  i  feumail. 

Cha  b'e  neart  a  bhuadhan,  ged  a 
bha  a  bhuadhan  ard,  a  tharruing  gu 
Keble  meas  agus  gradh  dhaoine,  ach  a 
dhilseachd  is  naomhachd  a  bheatha.  Bha  a 
bheatha  a  ghnath  folaichte  maille  ri  Criosd 
ann  an  Dia.  'N  a  dhol  a  mach  agus  'n  a 
theachd  a  steach  bha  e  a'  gluasad  maille  ri 
Dia.  Ged  a  rinn  cuid  de  na  beachdan  a  bha 
e  a'  teagasg  troimh-cheile  anns  an  eaglais, 
bha  e  gu  nadurra  'n  a  dhuine  ciuin  iriosal, 
gaolach  air  sith.  Bha  na  ceudan  agus  na 
miltean  ann  an  Sasunn  a'  sealltuinn  ris  mar 
an  athair  a  thaobh  nithean  spioradail,  agais 
bhiodh  iad  ag  iarraidh  a  chomhairle  agus  a 
bheannachd  gun  sgur,  ach  air  a  shon  sin 
cha  robh  barail  mhor  aig  Keble  air  fhein, 
oir  bha  e  air  a  sgeadachadh  le  irioslachd 
nan  naomh  mar  le  falluinn.  Chaochail  e  bho 
chionn  tri  fichead  bliadhna,  ach  tha  a  ghuth 
fhathast  ann  an  cluasau  a  luohd-duthcha. 


Air.    7. 


1925. 


HELIOTROPIUM. 

Na  hi  mo  thoil-sa  ach  do  thoU-sa  gu  rohh 
deanta.      Lucas  xxii,   ^2. 

An  cuala  tu  iomradh  riamh,  a  leughadair, 
air  duine  d'  am  b'ainm  Drexelius?  Theag- 
amh  nach  cuala,  ach  air  a  shon  sin  biia  a 
leithid  de  dhuine  ann,  agus  sgriobh  e  ann 
an  Laidionn  leabhar  beag  ciibhraidh  a  bha 
air  a  chur  a  mach  fo'n  ainm,  Heliotropium. 
Tha  an  t-ainm  boidheach  agus  freagarrach, 
oir  tha  am  facal  Heliotropium  air  a  dhean- 
amh  suas  de  dha  fhacal  Ghreigis  a  tha  ciall- 
achadh  tionndadh  ris  a  ghrein.  Tha  flur 
ann  ris  an  abrar,  Heliotropium  no  grian- 
ros;  faodar  a  radh  gur  e  sin  ainm  nadurra 
nan  lusan  gu  leir,  oir  tha  na  fluraichean 
daonnan  a'  tionndadh  ris  a'  ghrein. 

Cha  'n  aithne  dhomhsa  dad  mu'n  duine 
so  ach  a  mhain  ainm,  ach  tha  e  furasda  gu 
le6ir  a  thuigsinn  o'n  leabhar  gu  robh  a 
chridhe  fein  a'  tionndadh  ri  Dia  mar  a 
thionndas  na  fluraichean  ris  a  ghrein.  Is 
e  toiseach  is  meadhon  is  deireadh  a  sheanch- 
ais,  gu  bheil  sonas  mhic  an  duine  r'a  fhaot- 
ainn  ann  an  umhlachd  iomlan  do  Dhia.  Cha 
bhi  lomhaigh  Dhe  anns  an  duine  gu  brath 
air  a'  deanamh  glan  is  soilleir  mar  a  bha  i 
ann  an  laithean  a  neo-chiontais  gus  an  lub 
e  a  thoil  gu  buileach  do  thoil  Dhe. 

An  raoir  fhein  thug  mise  greis  a'  leugh- 
adh  an  leabhair  bhig  so,  ach  air  eagal  's 
gu'n  saoil  thusa,  a  leughadair,  gu  bheil  mi 
na's  coimhlionta  ann  an  Laidionn  na  tha  mi 
ann  an  da  rireadh  bu  mhaith  leam  a  radh 
nach  ann  an  Laidionn  idir  a  bha  mi  'g  a 
leughadh  ach  anns  a'  Bheurla  Shasunnaich. 
Tha  a'  Bheurla  coltach  ris  na  daoine  laidir 
a  tha  'g  a  bruidhinn ;  tha  i  a'  sealbhachadh 
gach  ni  as  fhearr  air  an  talamh  mar  oigh- 
reachd.  Gheibh  thu  an  diugh'  ann  am 
Beurla  saoibhreas  nan  linntean  uile,  agus 
a  dh'  aindeoin  ciod  a  bhios  sgoilearan  ag 
radh  cha  chaillear  a'  bheag  de  na  tha  ann  an 
leabhraichean  Laidionn  no  Greigis  an  uair 
a  thionndar  iad  gu  Beurla.  Is  e  sin,  ma's 
aithne  do'n  duine  a  rinn  an  obair  a 
ghnothuch. 

An  uair  a  bha  mise  a'  leughadh  Dhreselius 
an  raoir  thainig  e  'n  am  inntinn  gu'm  bu 
mhaith  leam  leigeil  leatsa,  a  leughadair,  a 
ghuth  ciuin  a  chluinntinn,  oir  tha  e  chum 
buannachd  dhuinn  daonnan  eisdeachd  ri 
duine  air  bith  aig  a  bheil  sith  Dhe  'n  a 
chridhe  f6in,  agus  a  labhras  ruinn  ann  an 
guth  reidh  iosal  mu  na  nithean  anns  a  bheil 


ar  sonas  r'a  fhaotainn,  agus  mu  na  nithean 
Guideachd  a  tha  seasamh  eadaruinn  agus 
Dia.  Cha  'n  ann  ann  an  straighlich  an  t- 
saoghail,  no  bho  dhaoine  a  bhios  a'  glaodh- 
aich  aird  an  cinn  air  na  sraidean,  a  gheibh- 
ear  an  gliocas  a  ta  o  shuas;  tha  an  gliocas 
sin  daonnan  a'  labhairt  le  guth  caol  ciuin 
ann  an  ionadan  samhach  is  diomhair ;  ri 
taobh   aibhnichean  reidh   is  foisneachail. 

"  Ciod  is  coil-  dhomh  a  dheanamhl  Gradh- 
aich  an  Tighearna  do  Dhia  le  t'  uile  chridhe, 
agvis  le  t'uile  anam,  agus  le  t'  uile  inntinn. 
Is  i  so  a'  cheud  aithne  agus  an  aithne  mhor. 
Gun  ghradh  cha  'n  urrainn  duit  gu  brath  do 
thoil  fein  a  lubadh  ri  toil  Dhe.  Ma  tha  do 
thoil-sa  agus  toil  Dhe  an  aghaidh  a  cheile 
cha  'n  urrainn  an  daimh  dhluth  a  bhi  eadar 
thu  fein  agus  Dia  a  bu  choir  a  bhi  eadar 
athair  agus  aon  d'a  chloinn.  Ciod  air  bith 
a  bhios  'g  ad  tharruing  air  falbh  o  Dhia, 
tha  sin  an  aghaidh  toil  Dhe ;  agus  ciod  air 
bith  a  bhios  'g  ad  tharruing  dluth  do  Dhia, 
tha  sin  a  reir  a  thoile.  Oir  is  i-  so  toil  Dhe, 
eadhon  hhur  naomhachadh.  Ma  dh'  fheumas 
tu  a  radh,  ma  ta,  mu  rud  air  bith,  mu  obair 
no  mu  chleachdadh  air  bith,  Tha  so  'g  am 
tharruing  air  falbh  o  Dhia  bi  cinnteach 
nach  'eil  an  obair  no  an  cleachdadh  sin  a 
reir  toil  Dhe.  An  uair  a  bhios  tu  ann  an 
teagamh  co  dhiu  a  tha  no  nach  'eil  ni  air 
bith  a  reir  toil  Dhe  iarr  comhairle  bho  do 
chridhe  fein.  Innsidh  a  chridhe  fein  do 
dhuine  barrachd  na  dh'  innsear  dha  le 
seachdnar  de  luchd-faire  'n  an  suidhe  ann 
an  tur  ard.  Os  cionn  nan  uile  nithean  dean 
t'urnuigh  ri  Dia,  agus  tre6raichidh  e  thu  le 
fhirinn.  Ach  cuimhnich  nach  foillsich  Dia 
a  thoil  do  dhuine  air  bith  ach  a  mhain  do'n 
duine  a  tha  feuchainn  gu  durachdach  r'a 
thoil  a  dheanamh.  Gheibh  thu  aithne  air 
toil  an  Tighearna  ann  a  bhi  deanamh  a 
thoile. 

Tha  fhios  agam  gu  maith  cheana  gur  e 
toil  Dhe  d'  am  thaobh  gu'm  bithinn  iriosal, 
is  faighidinneach,  is  macanta ;  gu'm  bith- 
inn a'  tighinn  beo  'n  a  eagal  agus  dileas  'n 
a  sheirbhis;  gu'm  bithinn  ann  an  sith  ri  mo 
choimhearsnaich  agus  caoimhneil  is  cairdeil 
ri  mo  cho-chreutairean  uile.  Cuidich  leam 
a  Dhe  fantuinn  anns  an  t-solus  a  tha  agam. 

Anns  an  uair  a  bu  deuchainnaiche  'n  a 
bheatha  thubhairt  losa,  "  Athair  ma's  e  do 
thoil  e,  cuir  an  cupan  so  seachad  orm  ;  gidh- 
eadh  na  bi  mo  thoil-sa  ach  do  thoil-sa  gu 
robh  deanta."  Cha  'n  urrainn  duine  urn- 
uigh  as  fhearr   a  dheanamh   na  gu'm  biodh 


26 


toil  Dhe  air  a  deanamh  ann  fein  agus  leis 
fein,  ach  cha  'n  urrairin  duine  air  bith  sin 
iarraidh  ann  an  da  rireadh  ach  duine  a 
tha  creidsinn  gu  bheil  Dia  ag  orduchadh  nan 
uile  nithean  a  chum  leas  a  chloinne.  Cha 
'n  eirich  olc  do'n  fhirean,  oir  'n  a  uile  amh- 
gharan  tha  comhfhurtachd  Dhe  an  taobh-a- 
stigh  dheth  a'  toirt  solas  d'a  anam. 

B'  abhaist  do  dhuine  diadhaidh  a  bhi  ag 
radh,  "An  ni  a  bu  mhaith  leat  a  bhith,  sin 
an  ni  a  tha  thu."  Tha  a  leithid  de  chumh- 
achd  ann  an  toil  duine  an  uair  a  tha  an  toil 
sin  aonaichte  ri  toil  Dhe,  's  gu'n  teid  aige 
air  rud  air  bith  a  tha  e  ag  iarraidh  gu 
durachdach  fhaotainn.  Ma  tha  iarrtus  ceart 
aig  duine  air  a  bhi  naomh,  no  ciiiin,  no 
gradhach,  fasaidh  e  mar  a  mhiann.  Is  e  na 
daoine  d'an  dean  Dia  cairdean  daoine  a  tha 
miannachadh  naomhachd  air  nach  do  rainig 
iad  fhathast. 

Cha  mhor  gu  bheil  aon  duilleag  anns  a' 
Bhiobull  air  nach  'eil  Dia  a'  gealltainn  a 
chomhnaidh,  agus  a  ghrais,  agus  a  sholuis, 
do  dhaoine  a  tha  ag  earbsadh  ann.  Dh' 
ionnsaich  Daibhidh  an  leasan  so  na  b'  fhearr 
na  daoine  eile  oir  tha  na  sailm  Ian  de'n 
teagasg  so.  "Bidh  iadsan  a  dh'  earbas  as 
an  Tighearna  mar  shliabh  Sliioin,  nach 
caraichear,  ach  a  mhaireas  gu  siorruidh." 
Bha  cridhe  nior  aig  Daibhidh  gu  nadurra, 
agus  tha  e  na's  fhasa  do  dhaoine  aig  a  bheil 
cridhe  farsuing  earbsa  ann  an  Dia  na  tha  e 
do  dhaoine  aig  a  bheil  cridheachan  beaga 
cumhann. 

Bha  diadhair  ann  uaireigin  a  bha  ag  iarr- 
aidh air  Dia  gun  sgur  ann  an  iirnuigh  an  t- 
slighe  a  bu  ghiorra  gu  neamh  a  nochdadh 
dha.  La  de  na  laithean  chual  e  guth  ag 
radh  ris,  "  Rach  gu  dorus  na  h-eaglais  agus 
chi  thu  an  sin  duine  a  bheir  dhuit  eolas  na 
slighe."  Aig  dorus  na  h-eaglais  chunnaic 
e  diol-deirce  truagh,  gun  stiall  de'n  aodach 
air,  a  chasan  gun  bhrogan,  agus  fheoil  Ian 
chreuchdan.  "Gu'n  gleidheadh  Dia  thu 
agus  gu'n  deanadh  e  trocair  ort,"  ars'  an 
diadhair.  "Tha  trocair  an  Tighearna  mor 
agus  maith,"  ars'  an  duine,  "  cha  chuimhne 
leam  la  nach  do  mheal  mi  a  chaoimhneas. " 
"  Tha  mi  a'  faicinn,"  ars'  an  diadhair,  "gu 
bheil  inntinn  shona  agad ;  gu'n  tugadh  Dia 
dhuit  miann  do  chridhe."  "Tha  mise," 
ars'  an  diol-deirce,  "  Ian  thoilichte  le  mo 
staid ;  is  e  mo  shonas  nach  'eil  sonas  a  dhith 
orm,  agus  cha  ghoirtich  mi-fhortan  duine 
air  bith  ach  an  duine  air  a  bheil  eagal  gu'm 
bi  e  air  a  ghortachadh.  Ciamar  nach  bith- 
inn  sona  agus  cothrom  agam  air  Dia  a  mhol- 
adh.  Ma  thig  acras  orm,  no  fuachd,  no 
droch  shid,  tha  mi  a'  moladh  an  Tighearna, 
oir  is  ann  bho  Dhia  a  tha  na  h-uile  nithean 
a'  teachd,  agus  ciod  air  bith  a  thig' o  Dhia 


tha  e  ceart.  Co  dhiu  a  tha  a  fhreasdal 
searbh  no  mills  tha  mi  a'  gabhail  ris  mar 
thiodhlac  bho  laimh  m'Athar,  agus  cha  'n 
iarr  mi  ach  an  ni  a  tha  Dia  a'  toirt  domh. 
Mar  so  tha  na  h-uile  nithean  a'  tachairt  mar 
is  aill  leam." 

"A  bheil  thu  da  rireadh  a'  ciallachadh," 
ars'  an  diadhair,  "  an  rud  a  tha  thu  ag 
radh;  an  abradh  tu  sin  na'n  tilgeadh  Dia 
do  ifreann  thu?" 

"  Ka'm  b'e  toil  Dhe,"  ars'  an  diol-deirce, 
"  mise  a  chur  do  ifreann  bheirinn  e  do 
ifreann  comhla  rium,  agus  an  sin  chailleadh 
ifreann  eagal  agus  uamhas.  B'  fhean-  do 
dhuine  a  bhi  ann  an  ifreann  le  Dia  na  bhi 
ann  an  neamh  as  eugmhais. " 

Chuir  briathran  an  duine  iongantas  air 
an  diadhair,  agus  smuainich  e  ann  fein  gu'm 
b'e  an  t-slighe  a  bu  ghiorra  gu  neamh,  an 
gradh  so  a  bhi  aige  do  Dhia  agus  an  umh- 
lachd  so  d'a  thoil.  Thuirt  e  ris  fein,  Is  e 
leithidean  an  duine  so  a  bha  aig  Criosd 
anns  an  t-sealladh  an  uair  a  thubhairt  e, 
Tha  mi  a'  toirt  buidheachais  dhuit,  0  Ath- 
air,  a  chionn  gu'n  d'  fhoillsich  thu  na  nith- 
ean sin  do  leanaban,  agus  gu'n  d'  fholaich 
thu  iad  o  dhaoine  eagnaidh. 

An  uair  a  tha  toil  duine  air  a  lubadh  ri 
toil  Dhe  cho  iomlan  's  nach  bi  urnuigh  eile 
'n  a  chridhe  ach,  '  Cha  'n  e  mo  thoil-sa  ach 
do  thoil-sa  gu  robh  deanta',  tha  flur  a  fas  'n 
a  chridhe  a  tha  na's  boidhche  na  eadhon  an 
t-ainm   a   thugadh   air — Heliotropium. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Bho  chionn  ghoirid  chuir  caraid  coir  a 
bhios  a'  leughadh  nan  duilleagan  so  Sear- 
moin  le  Tomas  Chalmers  thugam.  Theagamh 
gu  robh  e  an  diiil  gu  robh  mi  air  fas  tioram 
agus  feumach  air  iiileadh  a  chuirinn  ann 
am  l^chran,  ach  ged  is  trie  a  tha  mo  lochran- 
s'a  gu  maith  fann  le  cion  iiilidh,  tha  eagal 
orm  gu  robh  cho  mhaith  dhomh  steall  de 
uisge  fuar  a  chur  ann  ris  an  stuth  neonach 
a  gheibhear  anns  na  searmoin  aig  Tomas 
Chalmers.  Tha  cuid  de  dhaoine  ann  a  tha 
coltach  ri  Abel ;  ged  tha  iad  marbh  tha  iad 
fathast  a'  labhairt.  Ach  cha  'n  ann  de  na 
daoine  sin  a  tha  Tomas  Chalmers  ;  tha  an  t- 
Ollamh  mor  mor  sin  an  diugh  cho  balbh  ris 
a'  bhalbhan  fein.  Cha  'n  'eil  diog  aige  r'a 
radh  ris  a'  ghineil  so. 

Bha  Chalmers  air  a  ohunntas  mar  phrionn- 
sa  am  measg  shearmonaichean  'n  a  latha 
fein ;  bha  e  a'  seasamh  a  mach  os  cionn 
shearmonaichean  eile  mar  Bheinn  Nib?ieis 
am  measg  nam  beann.  Lionadh  e  eaglaisean 
a  bha  air  a  falmhachadh  le  daoine  eile. 
Lionadh  e  iad  ann  an  Lunnainn  cho  mhaith 


27 


'.s  a  lionadh  e  iad  ann  an  Duneideann  no 
ann  an  Glaschu ;  cha  robh  aite  an  rachadh 
e  nach  robh  an  saoghal  uile  a'  dol  as  a  dheidh. 
Agus  theireadh  a  h-uile  duine  a  chuala 
riamh  e  nach  cualas  a  leithid  bho  linn 
Chrysostom. 

Bha  e  'n  a  dhuine  mor  agus  'n  a  dhuine 
maith ;  cumhachdach  'n  a  bhreithneachadh 
agus  'n  a  bhriathran  ;  ach  air  a  shon  sin  dh' 
fhairtlich  e  orm-sa  gu  buileach  na  searmoin 
aige  a  leughadh.  Theagamh  gu'n  abair 
tliusa,  a  leughadair,  gur  ann  annam  fhein 
a  tha  an  fhailing  agus  nach  fhaigheadh 
daoine  eile  na  leabhraichean  aige  cho  tioram 
's  a  tha  mise  'g  am  faotainn.  Ach  tha  mi 
gle  chinnteach,  na'n  seasainn  ann  an  crann- 
aig  air  bith  an  Albainn  agus  na'n  leughainn 
ann  an  eisdeachd  a'  choimhthionail  fear  de 
shearmoin  Chahners  o  thoiseach  gu  deireadh, 
gu'm  biodh  an  dara  leth  dhiubh  'n  an  cadal 
agus  an  leth  eile  a'  cluinntinn  gun  bhi  ag 
eisdeachd.  Ciod  an  t-aobhar  gu  bheil  briath- 
ran  a  bha  aon  uair  beo  is  cumhachdach  a  nis 
marbh  ? 

A  dh'  aon  ni,  tha  fasain  ann  an  searmon- 
achadh  cho  mhaith  's  a  tha  iad  ann  an 
gnothuichean  eile,  agus  tha  na  fasain  ag 
atharrachadh.  An  drasd  's  a  rithist  tach- 
I'aidh  searmonaichean  oirnn  nach  buin  do 
linn  seach  linn ;  leithid  Newman  no  F.  W. 
Robertson ;  daoine  a  tha  cho  furasd  an  tuig- 
sinn  an  diugh  's  a  bha  iad  an  de  a  chionn 
gu  bheil  iad  ag  eirigh  os  cionn  fasain  tim, 
agus  gu  bheil  ealain  aca  air  ar  siiilean 
fhosgladh  a  chum  ',s  gu'm  faic  sinn  na  nith- 
ean  sin  a  tha  iad  fein  a'  faicinn  cho  soilleir. 
A  thaobh  nithean  spioradail  cha  'n  'eil  a' 
mhor-chuideachd  de  shearmonaichean  ach  a' 
faicinn  gu  dorcha  tre  ghloine,  agus  cuid 
nach  'eil  a'  faicinn  idir ;  ach  bha  siiilean  aig 
Newman  agus  aig  F.  W.  Robertson  cho  geur 
ri  siiilean  iolaire  air  chor  agus  gu  robh  iad 
a'  faicinn  agus  a'  tuigsinn  diomhaireachd 
an  da  shaoghail,  an  saoghal  a  ta  lathair 
agus  an  saoghal  neo-fhaicsinneach.  An  uair 
a  leughas  mi  na  leabhraichean  aca  tha  mi  a' 
faireachduinn  gu'm  bu  daoine  iad  anns  an 
robh  mile  siiil,  agus  mile  coinneal  'n  an 
lamhan  a'  dealradh  thairis  air  raon  ifar- 
suing  na  firinn,  ach  ged  a  leugh  mi  cuid  de 
shearmoin  agus  de  oibrichean  eile  an  011- 
aimh  Tomas  Chalmers  cha  d'  fhairich  mi 
riamh  gu  robh  barrachd  air  da  sliiiil  ann, 
agus  air  uairean  tha  amharus  agam  nach 
robh  ann  ach  leth-shiiil.  Cha  'n  urrainn  mi  a 
radh  le  firinn  gu'n  d'  fhosgail  e  riamh  geat- 
achan  dhomh  a  steach  do  chluaintean  a  b' 
fhiach  ionaltradh  a  dheanamh  annta,  no  gu'n 
do  chuir  e  iuchair  'n  an  laimh  ieis  am  fosg- 
lainn  dorsan  air  mo  shon  fein.  Sgiiobh  e  dluth 
air  da  fhichead  leabhar,  ach  ged  a  chithinn 


iad  uile  air  an  tairgsinn  air  son  ochd  sgill- 
inn  deug  air  bara  air  an  t-svaid  ciia  tug- 
ainn  dhachaidh  iad,  oir  tha  fhios  agam  nach 
leughainn  fear  dhiubh  gu  brath.  An  am  a' 
chogaidh  thug  mi  coig  no  se  dhiubh  do 
Chomunn  na  Crois  Dheirg  am  measg  Ian 
cartach  de  sheann  leabhraichean  eile  a  thug 
mi  dhaibh  air  son  fiidar  is  luaithe  a  dhean- 
amh. Cha  'n  'eil  fhios  agam-sa  ciod  na  h- 
innleachdan  a  chleachd  muinntir  an  airm 
gus  uidheam  gunnaireachd  a  dheanamh  de 
leabhraichean  dhiadhairean,  ach  co  dhiu  bha 
mi  an  diiil  nach  b'  urrainn  mi  Gearmailteach 
no  dha  a  chur  as  an  rathad  ann  an  doigh  a 
bu  fhreagarraiche  na  le  searmoin  Chalmers 
a  bhualadh  orra  anns  a'  cheann. 

Tha  e  air  uairean  duilich  a  thuigsinn 
ciamar  a  fhuair  searmonaichean  sonruichte 
an  t-aite  a  fhuair  iad  'n  an  linn  fein,  agus 
na  searmoin  aca  air  cho  bheag  bias  dhuinne. 
Co  an  diugh  a  rachadh  fad  a  bhroige  a  dh' 
eisdeachd  leithid  nan  searmon  a  bhiodh  an 
t-Ollamh  Eoghan  Blair  a'  toirt  do  mhaith- 
ean  na  diithcha  ann  an  Eaglais  Ard  Dhun- 
eidinn  mu'n  bhliadhna  1770?  Saoilidh 
sinne  nach  'eil  annta  ach  gaoth  is  fuaim  na 
gaoithe,  ach  chord  iad  cho  mha,ith  ri  Righ 
Deorsa  's  gu'n  tug  e  dha  pension  air  an  son, 
da  cheud  not  anns  a'  bhliadhna  cho  fad  agus 
a  bu  bheo  e.  Theagamh  nach  'eil  righrean  'n 
am  breitheamhna  cothromach  air  searmoin, 
oir  tha  e  air  a  radh  nach  trie  leo  an  fhirinn  a 
chluinntinn,  ach  mur  gabh  thu  iianuis  Righ 
Deorsa  III.,  tha  fianuis  as  fhearr  againn  air 
a'  chilis,  fianuis  an  Ollaimh  Mhic  Iain, 
duine  cho  glic  agus  cho  diadhaidh  's  a  bha 
riamh  air  thalamh.  Mhol  an  t-OIlamh  Mac 
Iain  searmoin  Bhlair  an  uair  a  bha  iad  air 
an  cur  a  mach  ann  an  leabhar,  ged  nach 
robh  e  am  bitheantas  deas  gu  muinntir  Alb- 
ainn a  mholadh,  agus  ged  a  bha  e  gu  maith 
laidir  an  aghaidh  na  h-eaglais  Chleirich, 
cho  laidir  's  nach  deachaidh  e  riamh  a  steach 
innte.  A  h-uile  Sabaid  bhiodh  an  eaglais 
aig  an  Urramach  Eoghan  Blair,  D.D.,  Ian; 
Ian  de  na  daoine  a  b'  ionnsaichte  ann  an 
Duneideann  ;  bha  iad  a'  saoilsinn  nach  robh 
searmonaiche  cho  ciatach  ris  anns  an  diith- 
aich,  agus  cha  'n  e  mhain  gu  robh  iad  'g  a 
chunntas  taitneach  r'a  chluinntinn  ach  bha 
iad  'g  a  chunntas  taitneach  r'a  leughadh, 
oir  cheannaich  iad  a  shearmoin  an  uair  a 
chuir  e  a  mach  iad.  Sheall  mise  uair-eigin 
thairis  air  dha  no  tri  de  shearmoin  Bhlair 
ach  cha  'n  fhaca  mi  dad  annta  ach  am  moll 
tioram  agus  cha  chuala  mi  cagar  no  cainnt 
annta  ach  fuaim  na  gaoithe.  Air  uairean 
bidh  amharns  beag  a'  tighinn  am  inntinn 
nach  'eil  searmoin  Bhlair  cho  gaothar  fal- 
amh  's  a  tha  mise  an  diiil,  oir  fhuair  iad 
fabhar   ann    an   siiilean    duine   air   an   robh 


28 


gaol  agam,  agus  a  bha  de'n  aon  inntinn 
rium  ann  an  iomadh  rud,  an  t-Ollamh 
Tomas  Sinton  nach  maireann.  Bha  meas 
mor  aige-san   air   searmoin   Bhlair. 

Ann  an  aon  doigh  bha  uiread  astair  eadar 
Blair  agus  Chalmers  's  a  tha  eadar  an  aird 
an  Ear  agus  an  aird  an  lar,  ach  ann  an 
doigh  eile  bha  iad  gle  choltach  r'a  cheile, 
oir  bha  e  mar  fhasan  aca,  an  uair  a  bhiodh 
iad  a'  searmonachadh,  a  bhi  dol  mu  thim- 
chioll  a'  chuspair  air  am  biodh  iad  a'  labh- 
airt  air  an  taobh  a  muigh ;  a'  cuairteachadh 
ballachan  Shioin  an  aite  a  bhi  dol  a  steach 
d'a  seomraichean.  Theagamh  nach  'eil  mi 
a'  cur  so  cho  soilleir  's  a  bu  mhaith  learn, 
ach  is  e  a  tha  mi  a'  ciallachadh  nach  fhaigh 
thu  uair  air  bith  a'  bheag  d'am  fiosrachadh 
fein  ann  an  searmoin  Bhlair  no  ann  an  sear- 
moin Chalmers.  Tha  iad  daonnan  fada  air 
f albh ;  bheir  iad  dhuit  beachdan  geur,  is 
teagasg  fallan,  is  dearbhaidhean  laidir  air 
fir  inn  an  t-soisgeul,  ach  cha  chluinn  thu 
uair  air  bith  bhuapa  na  nithean  aoibhneach 
is  iongantach  a  chual  iad  le'n  cluasan  fein 
ann  an  ionad  diomhair  an  Ti  as  airde.  Sin 
an  searmonaiche  as  fhearr  leam  fhein ;  duine 
a  dhi  chuimhnicheas  gu  bheil  e  a'  searmon- 
achadh idir  agus  a  bhruidhneas  mar  gu'm 
biodh  e  a'  bruidhinn  ri  aon  duine  aig  taobh 
an  teine,  agus  a  leigeas  fhaicinn  dhomh  an 
drasd  's  a  rithist  lorgan  an  Spioraid  'n  a 
bheatha  agus  'n  a  fhiosrachadh  fein.  An 
uair  a  sheasadh  Tomas  Chalmers  anns  a' 
chrannaig  cha  b'  ann  a  dheanamh  a  dhiur- 
ais  no  fhaoisid  a  sheasadh  e  innte  ach  a 
shear monachadh,  agus  an  uair  a  thoisich- 
eadh  e  air  searmonachadh  dh'  fhaodadh  tu 
bhi  cinnteach  gu'n  togadh  e  luchairt  mhor 
dhiongmhalta,  a  h-uile  clach  'n  a  h-aite 
fhein  anns  a'  bhalla,  uinneagan  is  dorsan 
mar  bu  choir  daibh,  an  ceann  cho  dionach 
's  nach  tigeadh  snighe  gu  brath  ann,  agus  an 
steidh  cho  seasmhach  's  nach  cairicheadh 
stoirm  i,  ach  fad  na  h-iiine  bha  an  tigh  f^l- 
amh.  Agus  air  cho  hriagh  agus  'g  am  hi  tigh, 
is  e  an  rud  as  fhearr  ann,  na  daoine  a  tha 
'n  a  hhroinn.  B'  fhearr  leam  am  bothan 
beag  bochd  agus  daoine  beo  ann  na  ballach- 
an briagha  agus  iad  falamh.  Theagamh  gu 
bheil  an  samhladh  so  rud  beag  cam  is 
tuathal ;  nach  'eil  e  cho  snasmhor  ris  na  ball- 
achan a  bhiodh  Chalmers  agus  Blair  a' 
togail,  ach  tuigidh  tu  fhein,  a  leughadair, 
ciod  a  tha  mi  a'  ciallachadh,  gun  mi  a  thill- 
eadh  ris  'g  a  dheanamh  direach.  Tha  da 
sheorsa  shearmonaichean  ann  ;  aon  seorsa  a 
tha  daonnan  a'  fantuinn  an  taobh  a  muigh 
de'n  teampull,  ag  innseadh  a  mhaise  agus 
eachdraidh,  agus  ag  aireamh  uinneagan 
agus  a  thuir ;  agus  seorsa  eile  a  bhios  daonn- 


an 'g  ad  thoirt  a  steach  ann,  a  leigeil 
fhaicinn  dhuit  rud  boidheach  is  iongantach 
an  sid  agus  an  so,  eadar  cuirteinean  an 
doruis  agus  an  t-ionad  ro-naomh. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  dh'  fharraid 
seana  mhinistear  dhiom  an  cuala  mi  riamh 
an  t-Ollamh  Iain  Caird  a  bha  ann  an  Oil- 
thigh  Ghlaschu  a'  searmonachadh.  Thuirt 
mi  ris  nach  cuala.  "0,  a  laochain,"  ars' 
esan,  "  theid  thu  do'n  uaigh  gun  an  labh- 
airt  as  glormhoire  a  chluinntinn."  A  reir 
gach  cunntais  a  gheibhear  o  dhaoine  a 
shuidh  ann  an  eisdeachd  Chaird  bha  e  'n  a 
oraidaiche  druidhteach.  Bha  solus  'n  a  inn- 
tinn, is  faireachadh  'n  a  chridhe,  is  deas- 
chainnt  'n  a  bheul,  ach  c6  an  diugh  a  leughas 
searmoin  Chaird  1  Tha  iad  cho  marbh  ri 
feadhainn  Chalmers.  Tha  mi  an  diiil  gur  e 
oraidaiche  am  facal  ceart  a  thaobh  nan 
daoine  so,  agus  nach  e  searmonaiche,  oir  is 
ann  le  cumhachd  an  labhairt  a  bha  iad  a' 
tarruing  aire  dhaoine  agus  a'  ciosnachadh 
an  luchd-eisdeachd  agus  cha  b'  ann  le  cumh- 
achd na  firinn  a  bha  iad  a'  teagasg.  Cha  bu 
mhaith  leam  a  radh  nach  'eil  feum  air  oraid- 
aichean  anns  an  eaglais,  ach  tha  feum  aig 
oraidaichean  daonnan  air  tomhas  as  motha 
de'n  ghras  agus  de'n  ghliocas  a  ta  o  shuas 
na  tha  Dia  a'  toirt  do  mhinistearan  eile  air 
gu'n   saoil  iad  gu'n  teid  aca  fein  air 


nithean  a  dheanamh  nach  gabh  deanamh  ach 
leis  an  Spiorad  Naomh. 

Ged  nach  biodh  dad  an  aghaidh  searmoin 
Chalmers  ach  am  fad,  bu  leoir  an  diteadh 
sin  orra  an  diugh  am  measg  gineal  olc  is 
fhiar  a  bhios  ag  eisdeachd  na  firinn  agus 
an  t-uaireadair  'n  an  laimh.  Ach  cha 
diteadh  sin  iad  ann  am  shuilean-sa,  oir  is 
toigh  leam  fad  is  lend  is  doimhneachd  gu 
leoir  a  bhi  ann  an  searmon.  Ach  tha 
fasan  an  la  diugh  calg-dhireach  an  aghaidh 
sin.  Bhiodh  an  duine  gasda  nach  maireann, 
Tormoid  MacLeoid  a  bha  ann  an  lonarnis, 
a'  toirt  seachad  searmoin  gu  maith  fada  (mur 
a  b'  fhaide  searmoin  Thormoid  is  ann  a  b' 
fhearr  iad,  oir  cleas  nan  longan  mora  dh' 
fheumadh  e  farsuingeachd  fhaotainn)  ach 
ged  a  bha  fhios  aige  gu'm  biodh  cuid  de'n 
choimhthional  a'  gearan  lean  e  air  a  dhoigh 
fhein.  Saoilidh  mi  gu  bheil  mi  a'  cluinn- 
tinn  fhathast  am  mothar  a  thug  e  as  an  uair 
a  thuirt  peasan  beag  ris  gu  robh  e  an  duil 
nach  bu  choir  do  shearmon  air  bith  a  bhi 
na  b'  fhaide  na  coig  mionaidean  deug.  "^ 
reir  rn'  fhiosrachaidh-sa,"  arsa  Tormoid, 
ann  an  guth  a  dh'  fhaodadh  eagal  a'  bhreith- 
eanais  a  chur  air  a'  pheasan,  ^Hha  na  daoine 
a  tha  ag  iarraidh  searmoin  ghoirid  am 
hitheantas  air  hheagan  fiiir,  agus  daonnan 
air  hheagan  diadhaidheachd.^' 


Air.    8. 


1925. 


ANNS   A  CHATHAIR. 

Air  an  t-seachduin  so  chaidh  bha  mi  ann 
an  Cardiff,  comhla  ri  ministearan  eile  a 
chuir  Ard-Sheanadh  na  h-eaglais  againn  ann, 
aig  cruinneachadh  mor  a  bha  aig  na  h- 
eaglaisean  Cleireachail  air  feadh  an  t-saogh- 
ail  uile,  agus  bu  mhaith  learn  innseadh  do 
mhuinntir  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd  mu'n  chriiinneachadh  so  a  bha  againn. 
Tha  an  Ard-Chomhairle  so,  no  mar  theirear 
anns  a'  Bheurla,  am  Pan-Presbyterian 
Alliance,  a'  coinneachadh  uair  anns  na  ceithir 
bliadhna,  is  bidh  an  ath  choinneamh  ann  an 
Winnipeg  ann  an  Canada.  Tha  leth-cheud 
bliadhna  bho  na  chuireadh  an  Comunn  so 
air  chois,  air  ohor  agus  gu'm  b'e  so  bliadhna 
na  lubilee  aige. 

Is  e  a'  chrioch  araidh  a  bha  's  an  t-sealladh 
aig  na  diadhairean  a  chuir  air  chois  e  na 
h-eaglaisean  Cleireachail  a  tha  air  an  sgap- 
adh  air  feadh  an  t-saoghail  a  tharruing  r'a 
cheile  a  chum  's  gu'n  cuireadh  iad  an  oomh- 
airle  r'a  cheile  bho  am  gu  am  mu  nithean  a 
bhuineas  dhaibh  air  fad,  agus  a  chum  's  gu'm 
biodh  spiorad  an  aonaidh  agus  a'  bhraith- 
reachais  air  a  neartachadh  annta. 

Tha  moran  dhaoine  an  diiil  nach  'eil  anns 
an  eaglais  Chleirich  ach  buidheann  beag 
suarrach  an  coimeas  ri  eaglaisean  eile,  ach  is 
e  an  fhirinn  gu  bheil  an  eaglais  Chleireach 
cho  coitchionn  ris  an  eaglais  Phapanaich 
fhein,  anns  an  t-seadh  gu'm  faighear  i  anns 
gach  cearn  de'n  t-saoghal.  Tha  an  eaglais 
Ath-leasaichte  air  a  roinn  'na  tri  meuran 
mora ;  an  eaglais  Lutheranach,  an  eaglais 
Shasunnach,  agus  an  eaglais  Chleireach ; 
agus  dhiubh  sin  is  e  an  eaglais  Chleireach  is 
motha. 

Bha.  diadhairean  is  ministearan  a  coig 
choigeamh  an  domhain  ann  an  Cardiff ;  bha 
iad  ann  as  an  Asia,  as  an  Afric,  agus  u 
America ;  bha  iad  as  a'  Ghearmailt,  as  an 
Fhraing,  as  an  Olaint,  a  Lochlann,  a  Canada, 
agus  a  California.  Chluinneadh  tu  uiread 
chanainean  ann  's  a  bha  ri  chluinntinn  ann 
an  Jerusalem  air  la  na  Caingis,  agus  ged  a 
bha  na  h-Americanaich  a'  labhairt  Beurla 
bha  cuid  dhiubh  cho  duilich  learn  a  thuig- 
sinn  's  ged  a  bhiodh  iad  a'  labhairt  Eabhra. 
Aon  de  na  maduinnean  a  bha  sinn  cruinn 
dh'  aithris  sinn  anns  an  aoradh  mhaidne 
urnuigh  an  Tighearna,  a  h-uile  duine  'n  a 
chainnt  mhathareil  fhein.  Chuir  mise  suas 
m'  urnuigh  ann  an  Gaidhlig.  Latha  de  na 
bha  mi  ann  an  Cardifi  bha  Puitseach  air  an 


dara  taobh  dhiom — Ollarah  ionnsaichte  a  tha 
teagasg  eachdraidh  ann  an  Oilthigh  Leyden 
anns  an  Olaint — ,  agus  air  an  taobh  eile  bha 
aodhair  a  bhuineadh  do'n  eaglais  Ath-leas- 
aichte ann  an  Czecho-Slovakia.  Chaidh 
agam  fhein  agus  aig  an  Diiitseach  air 
seanchas  gu  leoir  a  dheanamh  r'a  cheile,  ach 
cha  robh  e  furasda  seanchas  a  dheanamh  ris 
an  fhear  eile.  B'e  Laidionn  a  ghabh  sinn 
mu  dheireadh,  agus  a  dh'  innseadh  na  firinn, 
chuireadh  ar  Laidionn  grain  air  na  coin 
fhein. 

B'e  an  t-TIrramach  Iain  Mac  Naugher, 
D.D. ,  LL.D.,  a  Pittsburg  ann  an  America  a 
bha  anns  a'  chathair,  agus  b'e  an  t-Urram- 
ach  Anndra  Gyorgy,  a  Budapest,  am  fear  a 
bu  shine  a  bha  lathair.  Bha  e  aig  a'  cheud 
choinneamh  a.  bha  riamh  ann  de'n  t-seorsa. 
Le  sealltuinn  air  shaoileadh  tu  gur  e  seana 
chroitear  a  Tiriodh  na  a  Uidhist  a  bha  ann, 
air  neo  iasgair  ghiomach ;  ach  bha  iad  ag 
radh  rium  gu  robh  e  'n  a  dhuine  mor  'n  a 
dhuthaich  fhein.  An  la  a  labhair  e  beagan 
fhacal  ruinn  ann  am  Beurla  dh'  eirich  an 
Seanadh  uile,  agus  dh'  fhan  iad  'n  an  seas- 
amh  cho  fhad  agus  a  bha  e  a'  bruidhinn,  a' 
toirt  urram  na  h-aoise  do'n  t-seann  duine 
dhiadhaidh. 

Bha  iomadh  cuis  is  cuspair  air  beulaibh 
nan  seanairean  a  bha  cruinn  ann  an  Car- 
diff, ach  bha  aon  rud  sonruichte  a  thog  cuid 
mhaith  de  bhruidhinn  agus  de  argumaid 
taobh  air  thaobh.  Am  biodh  e  comasacji  no 
freagarrach  creud  ur  a  dheanamh  ris  an 
gahhadh  gach  meur  de  'n  eaglais  Chleirich 
air  feadh  an  t-saoghail  uilel  B'e  an  t- 
Ollamh  Alastair  Martainn,  Ceann  a'  Choll- 
aiste  aig  an  eaglais  IJ.F.  an  Duneideann,  a' 
cheud  fhear  a  labhair  air  a'  chuspair  so, 
agus  bha  esan  de'n  bheachd  nach  robh  an  rud 
idir  freagarrach  anns  a'  ghineil  so,  agus 
gu'm  b'  fhearr  do'n  Phan-Presbyterian 
Alliance  gun  ghnothuch  a  ghabhail  ris.  Bha 
diadhairean  eile  de'n  cheart  bheachd,  ach 
bha  duine  6g  foghluimte,  an  t-Ollamh  Iain 
M.  Mac  Ille  Sheathanaich,  a  CoUaiste  Hali- 
fax, ann  an  Nova  Scotia,  calg-dhireach  an 
aghaidh  sin.  Cha  'n  e  mhain  gu  robh  e  de'n 
bheachd  gu'n  gabhadh  an  rud  deanamh,  agiis 
gu'm  biodh  e  freagarrach  a  dheanamh  gun 
dail,  ach  thug  e  dhuinn  creud  goirid  a  bha 
e  an  duil  a  ghabhadh  na  h-eaglaisean  uile. 

Is  fada  bho  nach  cuala  mi  deasbud  a  chord 
rium  cho  mhaith  ri  deasbud  an  la  ud.  Bha 
la  ann  a  chluinneadh  tu  deasbud  a  b'  fhiach 
6isdeachd    ris    anns    an    t-Seanadh    againn 


30 


fhein  an  Duneideann,  ach  dh'  fhalbh  an  la 
sin  agus  tlia  e  an  diugh  clio  furasda  dhuit 
tuiteam  ad  chadal  anns  an  t-Seanadh  's  ged 
bhiodh  tu  'n  ad  shineadh  air  la  teth  samh- 
raidh  fo  chraoibh  theile  agus  deich  mile 
seillean  a'  dranndan  innte.  Aoh  an  uair  a 
thoisicheas  na  h-Americanaich  air  argumaid 
mu  phuingean  creidimh  theid  mise  an  urras 
gu'n  cum  iad  'n  ad  dhusgadh  thu,  co  dhiu  a 
bheir  iad  dhuit  solus  no  nach  toir.  Mar  a 
b'  fhaid©  siar  an  t-ait©  as  an  tainig  iad, 
is  ann  a  b'  fhearr  leam  a.  bhi  ag  eisdeachd 
riu ;  b'  fhearr  leam  deich  mionaidean  ag 
eisdeachd  ri  aodhair  a  Texas  no  a  Montana 
na  deich  uairean  ag  eisdeachd  ri  diadhair 
a  New  York.  Tha  diadhairean  New  York 
agus  Philadelphia  car  coltach  ruinn  fhein ; 
tha  fhios  aca  ciod  a  thubhairt  Plato  agus 
ciod  a  thubhairt  Pol,  agus  cha  bu  mhaith  leo 
dol  an  aghaidh  eolas  is  fiosrachadh  nan  linn- 
tean,  ach  cha  'n  'eil  aodhairean  Mhontana 
is  Chalifornia  fo  mhaide-na-poite  aig  fealls- 
anach  air  bith  fo'n  ghrein ;  cho  luath  's  a 
thogas  iad  suas  an  guth  cluinnidh  tu  fuaim 
iir  agus  fuaim  iongantach  ann  am  mullach 
chraobh  nan  smeur. 

Ann  an  seadh  fior,  tha  diadhairean  na  h- 
Alba  uile  coltach  r'a  cheile,  agus  tha  minis- 
tearan  na  h-Alba  uile  coltach  r'a  cheile;  is 
e  sin  r'a  radh,  tha  iad  uile  anns  an  aon 
saoghal;  air  an  riaghladh  leis  an  aon 
doigh-smuaineachaidh  ;  ag  61  a  steach  spiorad 
na  h-aon  ghineil.  Ach  cha  'n  urrainnear  sin 
a  radh  mu  na  h-Americanaich.  Buinidh 
iadsan  an  diugh  fhathast  do  gach  seorsa 
saoghail  a  bha  riamh  ann,  bho  laithean  Noah 
gu  latha  Dharwin,  agus  faodaidh  uiread 
astair  a  bhi  eadar  da  dhiadhair  a  America  a 
thaobh  am  beachdan  mu  obair  nan  gras  agus 
mu  obair  a'  chruthachaidh  's  a  bha  eadar 
Iain  Calvin  agus  Tomas  Huxley.  Bho  chionn 
bliadhna  no  dha  tha  connsachadh  searbh  a' 
dol  air  aghaidh  an  America  eadar  na  sgoil- 
earan  a  tha  a'  mineachadh  a'  Bhiobuill  ann 
an  solus  an  eolais  uir  a  tha  aig  daoine  an 
diugh  agus  an  fheadhainn  ris  an  abrar  na 
Fundamentalists,  daoine  a  tha  seasamh  air 
litir  an  sgriobtuir  agus  a'  cumail  a  mach  gu 
bheil  gach  lide  dheth  neo-mhearachdach  agus 
air  a  dheachdadh  leis  an  Spiorad  Naomh. 
Tha  na  sgoilearan  a'  creidsinn  cho  mhaith  riu 
fhein  gu  bheil  an  Spiorad  Naomh  a'  labhairt 
anns  na  sgriobturan  ;  ach  cha  'n  'eil  iad  a' 
creidsinn  gu  bheil  uiread  iighdarrais  ann  an 
cuid  de'n  sgriobtur  's  a  tha  ann  an  cuid  eile. 
Cha  'n  'eil  iad  a'  creidsinn  gur  coir  dhuinn 
Facal  an  Tighearna  a  radh  ri  iomadh  rud 
suarrach  gun  fheum  gun  siigh  a  gheibhear 
anns  an  t-seann  Tiomnadh  mar  is  coir  dlminn 
Facal    an    Tighearna    a    radh   ri    briathran 


Chriosd.  Tha  gu  leoir  anns  a'  BhiobuU  anns 
nach  'eil  ach  briathran  dhaoine,  agus  aig  a 
sin  fhein,  daoine  nach  robh  aon  chuid  fogh- 
luimte  no  glic  no  diadhaidh. 

A  thaobh  na  cuise  so  air  an  do  rinn  na 
diadhairean  deasbud  ann  an  Cardii^,  co 
dhiu  a  bha  e  freagarrach  creud  iir  a  dhean- 
amh  no  nach  robh,  cha  tainig  iad  gu  co- 
dhunadh  ach  so,  gu'n  cuireadh  iad  Gomad- 
aidh  air  chois  gu  bhi  smuaineachadh  air  a' 
chuis.  Gu  de  idir  a  dheanamaid  gun  am 
facal  beannaichte  sin  agus  an  rud  beann- 
aichte  sin  ris  an  abair  daoine,  Comadaidh  ! 

Tha  a  leithid  de  choinneamhan  's  a  bha 
againn  ann  an  Cardiff  'n  am  meadhon  air 
aonachd  a  neartachadh  am  measg  nan  eag- 
laisean.  Labhair  Moderator  na  bliadhna 
so,  an  t-Urramach  Iain  White,  D.D.,  ris  a' 
chruinneachadh  mhor  ud  mu'n  aonadh  a  tha 
's  an  amharc  aig  na  h-eaglaisean  an  Albainn, 
ag  innseadh  dhaibh  mu  na  ceumannan  a  b' 
fheudar  do  eaglais  na  h-Alba  a  ghabhail, 
rud  nach  robh  idir  furasda  a  dheanamh — 
Achd  Parlamaid  mu  dheachamh  agus  mu 
heritors  a  dheanamh  soilleir  do  dhaoine  a 
lugo-Slavia  agus  a  Nebraska  nach  cuala 
riamh  roimhe  iomradh  air  heritors  no  deach- 
amh.  Bha  an  t-Ollamh  Seumas  N.  Ogilvie 
as  an  eaglais  againne  a  lathair  cuideachd, 
agus  bha  e  air  a  shonruchadh  gu  bhi  'n  a 
ard-cheann  air  a'  Chomunn  air  son  nan  ath 
cheithir  bliadhna.  Bidh  an  ath  chruinneach- 
adh ann  an  Winnipeg  anns  a'  bhliadhna  1929. 
A  thuilleadh  air  an  da  Mhoderator  a  chuir 
an  eaglais  againne. ann,  chuir  i  ann  triuir 
de  'n  ard-luchd-teagaisg,  an  t-Ollamh  Seoras 
Galloway,  a  Cillribhinn  ;  an  t-Ollamh  Gilleas- 
buig  Main  a  Glaschu ;  agus  an  t-Ollamh 
TJilleam  A.  Curtis,  a  Duneideann.  Cha  'n  'eil 
duine  idir  as  motha  aig  a  bheil  guth  is  lamh 
ann  an  obair  a'  Chomuinn  a  nis  na  tha  aig 
an  Ollamh  Uilleam  A.  Curtis.  Is  aithne  dha 
cor  agus  suidheachadh  nan  eaglaisean  Cleir- 
eachail  air  tir-mor  na  Roinn-Eorpa  mar 
nach  aithne  do  dhuine  eile. 

Ann  an,  cuid  de  na  diithchannan  a  tha  air 
taobh  shear  na  Roinn-Eorpa,  Trannsyl- 
vania  agus  Rumania,  tha  na  h-eaglaisean 
beaga  Prostanach  a'  fulang  geur-leanmhuinn 
fhathast.  Tha  na  Prostanaich  bochd  'n  an 
crannchur  shaoghalta  is  tha  na  h-eaglaisean 
lag.  Theagamh  gur  e  obair  cho  mhaith  's  a 
tha  Comunn  nan  eaglaisean  Cleireachail  a' 
deanamh  air  fad  an  cuideachadh  a  tha  e  a' 
cur  a  dh'  ionnsuidh  nan  eaglaisean  beaga 
Prostanach  sin  a  h-uile  bliadhna.  Gun  a  bhi 
bruidhinn  idir  air  airgiod  tha  e  'n  a  chuid- 
eachadh  do  na  Prostanaich  anns  na  diith- 
channan sin  fhios  a  bhi  aca  gu  bheil  am 
braithrean    ann   am  Breatunn   agus  ann   an 


31 


America  a'  cuimhneachadh  orra,  agiis  gu 
bheil  doigh  aca  air  stad  a  cliiir  air  lamh- 
achas-laidir  no  euooir  eadhon  aim  an  ionad- 
aibh  arda. 

Theagamh  gu  bheil  fhios  agaibh  gu  robh 
eaglais  mhor  Phrostanach  ann  a  Hungaria 
bho  laithean  Luther,  da  mhile  coimhthional  is 
da  cheud  mile  de  luchd-comanachaidh.  Agus 
bha  sgoil  Prostanach  air  a'  cur  suas  ri 
taobh  gach  eaglais.  Roimh  am  a'  chogaidh 
bha  an  eaglais  so  laidir  agus  soirbheachail, 
ach  tha  i  a  nis  air  a  briseadh  'n  a  ceithir 
bloighean,  oir  bha  Hungaria  air  taobh  nan 
Gearmailteach  anns  a'  chogadh,  agus  aig 
deireadh  a'  chogaidh  bha  a'  chuid  mhor  d'a 
fearann  air  a  thoirt  bhuaipe ;  stiall  air  a 
thoirt  do  Czecho-Slovakia,  stiall  do  Rou- 
mania,  agus  stiall  eile  do  lugo-Slavia, 
air  chor  agus  nach  'eil  ann  a  Hungaria 
an  diugh  ach  an  treas  cuid  de  na  bha  innte 
ann  an  1914.  Tha  criochan  ura  air  an  cur 
suas,  agus  cha  'n  fhaod  na  Criosdiiidhean  a 
tha  air  an  dara  taobh  de'n  chrich  gnothuch 
a  bhi  aca  r'  am  braithrean  air  an  taobh  eile. 
B'  fheudar  dhaibh  tighinn  gu  Cardiff  a 
choinneachadh  a  cheile,  oir  cha  robh  maith 
dhaibh  dol  thar  criochan  each  a  cheile  ann 
an  Romnania  no  ann  an  lugo-Slavia.  Bha 
raoran  seanchas  uime  so  ann  an  Cardiff,  agus 
bha  seanchas  ann  cuideachd  mu  chomharr- 
aidhean  na  h-aimsire  a  thaobh  cogaidh  is 
sith  anns  an  Roinn-Eorpa,  ach  is  e  na  thug 
mi.se  learn  o'n  bhruidhinn  a  chuala  mi  nach 
do  rinn  an  cogadh  mu  dheireadh  ach  daorsa 
an  aite  saorsa  a  mheudachadh  anns  na 
criochan  shear.  Ach  b'  fheudar  dhomhsa  na 
coinneamhan  fhagail  m'  an  do  chriochnaich 
iad,  agus  cha  chuala  mi  na  chaidh  a  radh 
uile. 

Anns  na  feasgair  bha  na  conneamhan  air 
am  fosgladh  do  mhuinntir  a'  bhaile,  agus 
V>ha  an  tigh  daonnan  Ian.  Aig  te  dhiubh 
sin  labhair  Seumas  Barr,  M.P.,  ach  ged  nach 
duth  dhomh  ainm  Bharr  a  bheannachadh  air 
an  duilleig  so,  idir  idir  cha  mhallaich  mi  e, 
oir  feumaidh  mi  a  radh  nach  cuala  mi  fad 
na  seachduin  rud  a,  bhean  ri  mo  chridhe  cho 
mhor  ris  a'  chunntas  a  thug  e  clhuinn  air 
na  tighean  anns  a  bheil  moran  de  mhuinn- 
tir Mhotherwell  a'  fuireach,  gun  aig  miltean 
dhiubh  ach  aon  chiiil  air  son  teaghlaich. 
Cha  tig  gu  brath  as  an  fhail  ach  a'  mhuc  ; 
gun  tighean  deusanta  cha  togar  clann  bheus- 
ach.  Dh'  fhas  Seumas  Barr  sean  is  trom  bho 
chunnaic  mi  roimhe  e,  ach  tha  an  teine  'n 
a  chnamhan  fhathast,  agus  end  'n  a  chridhe. 
An  uair  a  sheas  e  air  beulaibh  an  t-sluaigh 
ann  an  Cardiff  thubhairt  e,  "  Seallaibh  orm 
le  siiil  gheur,  oir  is  mise  fear  de  na  daoine 
fiadhaich  a  Cluaidh  air  am  bi  sdbh  a'  cluinn- 


tinn     iomraidh    anns     na    paipearan-naigh- 
eachd." 

B'e  an  rud  a  b'  fhearr  leam  a  chuala  mi 
uile  gu  leir,  agus  an  cuimhneachan  air 
Cardiff  as  fhaide  a  mhaireas,  an  ceol  a  thug 
coisir-chiuil  a'  bhaile  dhuinn.  Tha  muinn- 
tir  Wales  maith  air  seinn  co  dhiu,  ach  tha 
mi  an  diiil  gu  robh  an  fheadhainn  a  chiiala 
sinne  air  an  taghadh,  oir  cha  chuala  mo 
chluasan  riamh  ceol  cho  maiseach  's  a  thug 
a'  choisir-chiuil  aig  Professor  Evans  dhuinn 
aon  oidhche,  coisir-chiuil  anns  an  robh  tri 
cheud  pearsa.  Thig  crioch  air  an  t-saoghal 
ach  mairidh  gaol  is  ceol.  Thainig  crioch  air 
coinneamhan  nam  Pan-Presbyterianaich,  ach 
bidh  cuimhne  agamsa  gu  brath  air  ceol  nan 
Cuimreach. 


MU  SHEARMONACHADH. 

Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi  a' 
bruidhinn  mu  shearmoin  Thomas  Chalmers, 
ach  cha  d'  fhuair  mi  mo  sheanchas  a  chrioch- 
nachadh.  Tha  mi  an  dull  gur  e  an  t-aobhar 
sonruichte  nach  'eil  iad  air  an  ceannach  no 
air  an  leughadh  an  diugh  nach  'eil  snaoisean 
annta.  Is  fheairrd  searmon  daonnan  diodag 
bheag  de  shnaoisein  a  bhi  air  a  chur  ann. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  dh'  iarr  minis- 
tear  ann  an  Duneideann  a  bha  dol  a 
bhruidhinn  ri  daoine  oga  anns  an  Oilthigh 
mu  shearmonachadh  air  aireamh  shonruichte 
de  dhaoine  tuigseach  'n  a  choimhthional 
fein  am  beachdan  a  thoirt  dha  gu  h-onarach 
mu'n  t-seorsa  shearmon  a  b'  fhearr  leo  agus 
anns  an  robh  iad  a'  faotainn  buannachd. 
Bha  feadhainn  dhiubh  air  a  shon  sid,  is 
feadhainn  eile  air  a  shon  so,  ach  air  thois- 
each  air  a  h-uile  rud  eile,  chuir  iad  an  rud 
ris  an  abrar  anns  a'  Bheurla  interest.  Cha 
'n  eil  facal  againn  ann  an  Gaidhlig  a  tha 
ciallachadh  an  fhior  rud  ris  an  fhacal 
Bheurla  so,  agus  mar  sin  tha  e  duilich  dhomh 
seanchas  cothromach  a  dheanamh  mu  shear- 
moin ann  an  cainnt  anns  nach  'eil  facal  air 
son  an  dearbh  rud  a  tha  dhith  air  daoine. 
Is  maith  le  daoine  gu'n  glacadh  am  fear  a 
tha  siearmonachadh  an  aire,  agus  gu'm 
biodh  iarraidh  aca  air  eisdeachd  ris,  mar  a 
dh'  eisdeas  iad  ri  duine  a  tha  bruidhinn  air 
nithean  anns  a  bheil  iiigh  aca.  Sin  a  tha  iad 
a'  ciallachadh  le  interest.  Mur  glac  am  fear 
a  tha  anns  a'  chrannaig  aire  dhaoine  bha 
cho  mhaith  dha  a  bhi  'n  a  thosd. 

Tha  fichead  doigh  air  aire  dhaoine  a 
ghlacadh,  cuid  dhiubh  ceart  is  cuid  dhiubh 
cearr.  Cha  'n  aite  a'  chrannag  air  son  cleas- 
aiche,  co  dhiu  a  tha  e  a'  cleasachd  le 
bhodhig,  no  le  chainnt,  no  1©  inntinn.  Ach 
ged  tha  fichead  doigh  air  aire  dhaoine  a 
ghlacadh  greis  bheag    cha    'n    'eil     ach    aon 


32 


doigh  air  aire  dhaoine  a  ghleidheadh  fad 
bhliadhnachan ;  rud  a  bhi  aig  ministear  ri 
radh  as  fhiach  eisdeachd  ris,  agus  gibht  a 
bhi  aige  air  bruidhinn  ri  daoine  mu  nithean 
sjDioradail  ami  an  doigh  reidh  nadurra  mar  a 
bhruidhneadh  e  mu  dhaoine  ^  b'  aithne  dha, 
no  mu  leabhraichean  a  chord  ris,  agus  mu'm 
bu  mhaith  leis  seanchas  a  dheanamh  ri 
daoine  eile.  Duine  air  bith  aig  nach  'eil 
tlachd  a  bhi  rannsachadh  mu  Dhia,  agus  mu 
dhoighean,  agus  mu  oibrichean,  agus  mu 
nadur  Dhe,  sin  duine  aig  nach  'eil  coir  air  a 
bhi  ann  an  obair  na  ministrealachd   idir. 

Cha  robh  am  riamh  anns  an  robh  minis- 
tearan  na  h-eaglais  againne  air  an  ionnsach- 
adh  cho  maith  air  son  an  dreuchd  's  a  tha 
iad  an  diugh,  ach  air  a  shon  sin  cha  'n  'eil 
an  diugh  ach  aireamh  bheag  de  mhinistearan 
anns  an  eaglais  nach  bi  a'  leughadh  an 
searmoin,  agus  cviid  mhaith  dhiubh  a  bhios 
a  leughadh  an  urnuighean  cuideachd.  Ciod 
an  t-aobhar  air  sin?  Theagamh  gu  bheil 
fichead  aobhar  air,  ach  is  e  an  da  aobhar  as 
bitheanta  a  tha  toirt  air  ministearan  tois- 
eachadh  air  leughadh  an  searmon,  an  leisg 
agus  eaglaisean  mora.  Tha  e  moran  na's 
fhasa  do  dhuine  a  shearmon  a  sgriobhadh  gu 
socruch  'n  a  sheomar  agus  an  sin  a  leughadh 
ann  an  eisdeachd  an  t-sluaigh  anns  a'  chub- 
aid  seach  labhairt  riu  gu  ciallach  agus  gu 
h-ordail  air  puing  spioradail  gun  phaipear. 
Dh'  fheuch  mise  an  da  dhoigh,  agus  tha 
fhios  agam  gu  maith  ciod  a  tha  mi  ag  radh. 
Mur  biodh  dad  aig  ministear  anns  an  t- 
sealladh  ach  comhfhurtachd  a  chridhe  agus 
inntinn  fein  b'e  an  gliocas  dha  a  h-uil©  facal 
d'a  shearmon  a'  leughadh,  agus  an  sin 
rachadh  e  do'n  chiibaid  gun  iomguin  no 
eagal,  agus  dh'  fhagadh  e  i  gun  sgiths.  xA-ch 
ma  bu  mhaith  leis  oifig  an  t-searmonachaidh 
a  chumail  ann  an  urram  agus  ann  an  cumh- 
achd  feumaidh  e  an  leisg  agus  an  t-eagal 
agus  gach  leoghann  eile  a  tha  anns  an  t- 
slighe  a  chur  fo  na  casan,  agus  a  chridhe  a 
smachdachadh  agus  inntinn  a  theagasg  gus 
an  teid  aige  air  bruidhinn  ris  a'  choimh- 
thional  gun  phaipear.  Bidh  an  fheadhainn 
a  tha  cleachdadh  a'  phaipeir  a'  cumail  a 
mach  gu  bheil  na  searmoin  a  tha  air  an 
leughadh  na's  fhearr  na  na  searmoin  nach 
'eil  air  an  leughadh,  ach  ged  nach  'eil 
m'  fhiosrachadh-sa  ro  fharsuing  a  thaobh 
na  cuise  sin,  feumaidh  mi  a  radh  gu  bheil 
am  beagan  fiosrachaidh  a  tha  agam  calg- 
dhireach  an  aghaidh  sin.  Na  searmoin  a 
b'  fhearr  a  chuala  mi  riamh,  cha  robh  iad 
air  an  leughadh ;  agus  na  searmoin  a  bu 
truaighe  a  chuala  mi  riamh  bha  iad  air  an 
leughadh.  Ach  feoraicheadh  iad  de'n  t- 
sluagh  ciod  am  beachd-san  ! 


Bidh  daoine  a'  cur  sios  air  na  h-eaglaisean 
a  bhatar  a'  togail  ann  an  Albainn  bho  chionn 
ceud  bliadhna,  agus  a'  moladh  nan  eaglais- 
ean briagha  a  thatar  a'  togail  an  diugh. 
Cha  'n  'eil  teagamh  nach  'eil  na  h-eaglaisean 
ura  maiseach  mar  thogalaichean,  agus 
briagha  ri  sealltuinn  orra,  ach  air  a  shon 
sin,  tha  iad,  a  reir  mo  bheachd-sa  co  dhiu, 
a'  milleadh  oifig  an  t-searmonachaidh  anns 
an  duthaich,  oir  tha  iad  a'  toirt  air  minis- 
tearan a  h-uile  facal  de'n  t-seii-bhis  a  leughadh 
bho  thoiseach  gu  deireadh.  Cha  'n  'eil  sin  a 
reir  gnaths  na  h-eaglais  againne,  a,gus  cha 
mho  a  tha  mise  co  dhiu  an  dull  gu  bheil  e  a' 
cuideachadh  diadhaidheachd  no  spioradal- 
achd  anns  an  eaglais,  ach  air  a  shon  sin  cha 
"n  aithne  dhomh  cia  mar  a  ghabhas  an  drochd 
cleachdadh  so  seachnadh,  oir  tha  e  eu-comas- 
ach  do  dhuine  cumanta  seirbhis  a  dheanamh 
ann  an  eaglais  mhoir  far  a  bheil  cuid  de'n 
choimhthional  cho  fada  bhuaith  's  nach  leir 
dha  an  aodainn,  agus  far  am  feum  e  a  ghuth 
a  thogail  mar  gu'm  biodh  oifigeach  a  toirt 
ordain  do  reiseamaid,  mar  a  dheanadh  e  ann 
an  eaglais  bhig  far  am  faod  e  bruidhinn  ri 
daoine  (agus  ri  Dia  cuideachd)  ann  an  guth 
reidh  nadurra,  agus  nithean  a  radh  nach  h- 
urrainnear  a  ghlaodhach  air  mullach  nan 
tighean.  An  drasd  's  a  rithist  gheibhear 
anns  an  eaglais  ministearan  sonruichte  d'a 
bheil  e  cho  furasda  labhairt  gun  phaipear  no 
urnuigh  a  dheanamh  gun  a  leughadh  ann  an 
Cathedral  mor  's  a  bhiodh  e  ann  an  tigh- 
coinnimh  beag,  ach  tha  iad  anabarrach  tearc. 
Agus  a  thuilleadh  air  sin  cha  'n  'eil  na  h- 
aitean  mora  freagarrach  idir  air  son  an  t- 
seorsa  teagaisg  a  tha  mise  a'  creidsinn  as 
feumaile  do'n  eaglais  an  diugh,  teagasg 
spioradail.  Na'n  robh  mi  'n  am  mhinistear 
ann  an  eaglais  mhoir — taing  do  Ni-Maith 
'eil — tha  mi  Ian  chinnteach  gu'n  stad- 
de  shearmonachadh  uile  gu  leir,  agus 
gu'n  toisichinn  air  Leabhar  Aithghearr  na 
Ceist  a'  leughadh  ann  an  eisdeachd  a' 
choimhthionail  ann  an  guth  cho  ard  's  a  b' 
urrainn  mi. 


nach 
ainn 


AN   EAGLAIS   CHLEIREACHAIL. 


Eaglais. 

Coimh- 
thion- 
ailean. 

Minis- 
tearan. 

Foir- 
bhich. 

Luchd- 
conian- 
achaidh. 

Sgoil- 
earan. 
Shbaid. 

An  Roinn-Eorpa 

Breatunn 

An  Asia 

An  Afeic 

America  mu  Thuath 

America  mu  dheas 

Na  h-Innsean 

Astralia 

7,080 

5,832 

3,574 

1,768 

21,910 

207 

151 

1,721 

7,764 

5,391 

1,790 

928 

18,392 

148 

105 

967 

38,263 

45.2r.5 

3.758 

3,987 

86,147 

523 

6:U 

5,053 

2,403,247 

1,698,668 

409,233 

532,085 

3,450,778 

29.144 

20,040 

127,305 

689,400 
859,419 
108,264 
91,296 
2,891,508 
18,094 
19,737 
114,758 

Uile  gu  lbir 

42,243 

35,485 

183,620 

8,670,500 

4,792,476 

Air.    9. 


1925. 


EILEAN  GUN  AINM. 

Tigh  Bean  Sheorais-, 

Eilean 

An     naoidheamh     la    fichead    de 
dhara  mios  an  Fhogharaidh,1924. 

A  Mhairi  a  Ghraidh, 

Thubhairt  thusa  gu'm  bithinn  air 
mo  sharuchadh  'san  eilein,  agus  gu'm  bith- 
inn air  m'ais  ann  an  seachduin  no  dha,  ach 
cha  robh  thu  ceart.  Tha  mi  cho  sona  's  a  tha 
an  la  cho  fada,  agus  bu  mhaith  learn  a  bhi 
an  so,  cha  'n  e  da  mhios,  ach  fad  a'  gheamh- 
raidh. 

Cha  b'  urrainn  domh  tighinn  do  aite  a  b' 
fhearr  air  son  Gaidhlig  ionnsachadh.  A 
reir  coltais  tha  a'  Ghaidhlig  aig  a'  h-uile 
duine,  agus  cha  'n  'eil  a'  Bheurla  idir  aig  na 
cailleachan  no  aig  a,'  chloinn  bhig. 

Far  am  bheil  thusa  a'  fuireach  tha  iad  a' 
bruidhinn  mar  an  dealanach  agus  dh' 
fhairtlich  e  oi^m  a  bhi  'g  an  tuigsinn,  ach  an 
so  tha  iad  a'  bruidhinn  air  an  socair  agus 
a'  cur  a'  h-uile  facal  air  mo  bhois,  agus  tha 
mi  'g  an  tuigsinn  gun  dragh. 

Tha  an  tigh  so  glan  is  comhfhurtachail 
mar  a  tha  a'  chuid  as  mo  de  na  tighean  'san 
eilein.  An  sud  's  an  so  tha  bothan  beag  dubh 
fiodha  ri  fhaicinn,  agus  cha  'n  'eil  iad  sin 
freagarrach  air  son  a'   gheamhraidh. 

Bho  chionn  da  bhliadhna  bha  stoirm  mhor 
ann ;  bha  tri  cailleachan  'n  an  suidhe  ri 
taobh  an  tein©  ann  am  bothan  beag  mar  { in, 
agus  leis  cho  fiadhaich  's  a  dh'  fhas  a' 
ghaoth,  dh'  fhalbh  an  tigh  uile  gu  leir  os 
an  cionn,  agus  cha  robh  air  fhagail  ach  iad 
fhein  agus  an  teine.  Gu  dearhh  's  e  aite  air 
leth  a  tha  ann,  an  t-eilean  so  ! 

Nach  taitneach  an  smuain  so,  gu  bheil 
eilean  ri  fhaotainn  an  diugh  far  nach  'eil 
carbad-gun-eich,  no  eadhon  inneal-buain  ri 
fhaicinn  (faodaidh  duine  sraid  a  ghabhail 
air  an  rathad  mhor,  gu  socrach,  sabhailte, 
agus  tha  iad  a'  buain  leis  a'  chorran 
fhathast,  agus  a'  seinn  aig  an  obair),  agus 
eilean  far  nach  'eil  cabhag  air  duine  beo  o 
mhoch  gu  dubh,  agus  far  am  bheil  iad  a' 
cur  seachad  nan  oidhcheannan  fad  a' 
gheamhraidh  ri  taobh  an  teme,  ag  innseadh 
sgeulachdan  is  a'  gabhail  oran  ? 

An  creid  thu  mi,  a  Mhairi,  'nuair  a  dh' 
innseas  mi  dhuit  nach  fhaca  mi  riamh 
daoine  cho  sunndach  's  a  tha  iad  an  so  ? 
'S  e  an  fhirinn  ghlan  a  tha  ann,  agus  's  e 
sin  an  rud  a  tha  gach  coigreach  a'  toirt  an 


aire  dha, — cho  eibhinn,  aighearrach  's  a  tha 
iad,  agus  an  gaire  air  am  fiacail  fad  an  la, 
agus  thatar  ag  radh  nach  'eil  muinntir  nan 
eileanan  eile  mar  sin  idir. 

Tha  a'  chuid  is  mo  dhiubh  'n  am  Papan- 
aich,  agus  a  reir  beachd  mhoran,  's  e  sin  an 
t-aobhar  gu  bheil  iad  cho  eibhinn  aighear- 
rach. Bha  an  Eaglais  Phapanaich  daonnan 
a'  beannachadh  a'  chiuil  agus  nan  sgeulachd, 
ach  thug  an  Eaglais  Ath-leasaichte  air 
falbh  ceol  is  abhachd,  ag  radh  nach  robh  ann- 
ta  ach  rud  gun  fheum,  faoineis  agus  cosg- 
uine.  Ach  cha  n  'eil  sin  ceart.  Thubhairt 
bodach  a  bha  a'  seinn  domh — "0  tha  na  fuinn 
sin  'g  am  thogail  suas  !"  Agus  thubhairt 
Ealasaid  Eachainn  (cailleach  a  tha  fuireach 
'na  h-aonar  ann  am  bothan  beag,  agus  a  bha. 
seinn  orain-luaidh  dhomh,  agus  leth  cheud 
earrann  anns  a  h-uile  fear,  gus  an  do  theab 
mi  tuiteam  'n  am  chadal  aig  taobh  an  teine), 
—thubhairt  ise  rium,  "Mur  an  robh  mise  a' 
seinn  nan  oran  sin,  cha  bhithinn  h&b  an 
diugh;  tha  mi  oho  aonarach  an  so." 

Gu  dearbh  's  e  beatha  aonarach  a  tha  aig 
moran  de  mhuinntir  nan  eileannan,  agus 
dh'  fhasadh  iad  dubharach,  gruamach,  na'm 
biodh  iad  gun  cheol  agus  gun  orain.  Sin 
mar  a  thachair  ann  an  iomadh  aite. 

Ciod  do  bharail  air  sin,  a  Mhairi  ? 
Theagamh  nach  b-  thu  toilichte  'nuair  a  tha 
mi  a'  bruidhinn  mar  so,  oir  is  aithne  dhomh 
gur  e  Prostanach  daingeann  a  tha  annad, 
agus  gu  dearbh  air  mo  shon  fein  cha  'n  'eil 
seirbhis  an  aifrinne  a'  cordadh  rium  idir, 
eadhon  an  so ;  ach  tha  eagal  orm  nach  gabh 
na  nithean  sin  aicheadh, 

Thatar  ag  radh  gu  bheil  muinntir  an 
eilein  so  anabarrach  leasg.  Is  fior  e  gun 
teagamh  nach  'eil  iad  ag  obair  anns  a' 
gheamhradh.  Thubhairt  bodach  rium, — 
"Tha  an  t-arbhar  a  stigh  an  drasd,  agus 
cleas  nam  math-ghamhna,  cha  'n  'eil  dad 
againn  r'a  dheanamh  fad  a'  gheamhraidh, 
ach  a  bhith  cur  ar  sp6g  'nar  beul !" 

Oiamar  is  uirrainn  do  dhuine  obair  a 
dheanamh  an  uair  nach  'eil  obair  ann,  no 
ciod  am  feum  no  an  tairbhe  dha  a  bhi  ag 
oibreachadh  'nuair  a  tha  e  'n  a  chomas  a  bhi 
tighinn  heb  gun  obair?  Cha  'n  'eil  feum 
air  moran  airgid  anns  an  eilean  so.  Tha 
crodh  aca ;  tha  caoraich  agus  cearcan  aca  ; 
agus  crioman  beag  fearainn  am  measg  nan 
creag;  (oir  's  e  eilean  anabarrach  creaga^h 
a  tha  ann)  agus  cho  fhad  's  a  bhitheas  slainte 
aca,  agus  biadh  air  son  an  la  an  diugh,  tha 
iad  riaraichte,  agus  is  rud  mor  sin. 


34 


Ach,  coma-co-dhiubh,  claoine  leasg.  Ann  no 
as,  cha  n'eil  na  nmatlian  leasg.  Anns 
an  eilein  so,  mar  anns  a  h-uile  aite  's  an  t- 
saoghal,  cha  tig  crioch  air  obair  nam  ban. 
Tha  iad  a'  gieidheadh  an  tighe;  ag  obair  air 
an  fhearann ;  a'  cutadh  agus  a'  pacadh  'an 
sgadain  an  am  an  iasgaich ;  a'  bleoghann 
nam  bo;  a'  deanamh  an  ime;  a'  tarruing 
na  moine,  agus  a'  sniomh  's  aig  calanas  fad 
a'  gheamhraidh. 

Cha  'n  fhaca  mi  riamh  cailleachan  cho 
laghach  is  cho  Ian  tataidh  ri  cailleachan  an 
eilein  so.  Is  toigh  loam  gu  sonruichte  Eala- 
said,  agus  Bean  Mhicheil  Neill.  An  de  bha  mi 
ag  obair  air  an  fheur  comhla  ri  bana-charaid 
agus  cha  robh  ach  aon  racan  againn.  Dh' 
fhalbh  mi  gu  tigh  Bean  Mhicheil  Neill  a  dh' 
iarraidh  racain ;  thainig  a  nighean  thun  an 
doruis,  agus  thubhairt  mise — "Tha  mi  ag 
iarraidh  racain,  am  bheil  racan  agad?" 
Bha  Bean  Mhicheil  Neill  a  stigh  's  a'  chitsin. 
"Thigibh  a  steach,"  ars'  ise,  "agus  dean- 
aibh  suidhe."  "Cha  'n  fhaod  mi  suidhe, " 
arsa  mise,  "Feumaidh  mi  bhi  ag  obair." 
"Cha  'n  'eil  duine  ag  darraidlii  rud  'na 
sheasamh,"  ars'  ise;  iarr  air  na  faoileagan 
's  air  na  feannagan  sin  !" 

Agus  cha  d'  fhuair  mi  an  racan  gus  an  do 
rinn  mi  suidhe,  agus  an  d'iarr  mi  as  iir  e. 

La  eile,  nuair  a  bha  mi  'san  tigh  aice,  agus 
mo  chota  cnotail  orm,  thubhairt  i  rium, 
"Na  'n  biodh  sibhse  ag  iarraidh  a 
dhol  gu  taobh  thall  an  locha  agus  an  cota 
sin  oirbh,  cha  leigeadh  na  h-iasgairean  sibh 
comhla  riutha."  "Bhiodh  iad  ag  radh  gu  'n 
d'  thainig  an  cnotal  as  na  sgeirean,  agus 
gu'm  biodh  e  ag  iarraidh  air  ais  !"  Is  trie 
a  tha  mi  dol  air  cheilidh  air  Ealasaid,  agus 
is  iomadh  sgeul  a  bhios  i  ag  innseadh 
dhomh.  'Se  "Bodach  an  t-Silein"  an 
t-aon  is  fhearr  learn  agus  "A'  Ghobhar 
Ghlas  air  Eiginn  's  air  a  Toirt  As." 

Biodh  thusa  ag  radh  gu  bheil  na  sgeulach- 
dan  sin  gu  maith  leanabail,  ach  tha  iad 
anabarrach  maith  airson  neach  .sam  bith  a 
tha  ag  ionnsachadh  na  Gaidhlig,  agus  a 
thuilleadh  air  sin,  tha  iad  anabarrach  tlachd 
mhor  a  bhi  'g  an  cluinntinn,  agus  tha  iad 
a'  dol  air  ais  gu  linntean  fad  air  falbh. 
Mar  a  bhios  Ealasaid  ag  radh, — "Bha  iad 
ann  o  thoiseach  an  t-saoghail." 

Coma-co-dhiubh  cha  toir  mi  dhuit  iad  aig 
an  am  so,  ach  bheir  mi  dhuit  sgeul  bheag  de 
sheorsa  eile  a  dh'  innis  i  dhomh  an  raoir, 
sgeul  mu  eilean  Mhiugalaidh. 

Ann  an  eilean  Mhiugalaidh,  tha  iomadh 
aite  corrach,  creagach,  agus  tha  m6ran  de 
eoin-fhiadhaich  a'  deanamh  nead  a-n  sin. 
La  de  na  laithean  bha  na  fir  a  muigh  a' 
stearradh  nan  nead,  agus  thachair  gun  do 
chain  fear  dhinbh  a  crhrfeim  leis  nach  d'  thug 


e  an  aire.  Theab  e  tuiteam  leis  a'  chreig, 
ach  air  dhoigh  shonruichte  nach  robh  e 
riamh  comasach  a  thuigsinn,  fhuair  e 
greim  air  an  lobhtaig  a  rithisd  agus  shab- 
hail  e  e  fhein.  Cha  robh  air  sin  ach  sin 

fhein,  ach  an  am  an  earraich,  b'  fheudar  do 
na  fir  a  dhol  gu  Pollachara,  a  dh'  iarraidh 
luchd  sil  air  son  a  chur,  agus  b'  e  sgiobair  a' 
bhata  an  duine  a  bha  ann  an  cunnart  ro- 
mhor  'nuair  a  bha  e  a'  stearradh  nan  nead. 

Rainig  iad  Pollachara,  agus  o  'n  a  bha  an 
dorchadas  a'  tighinn,  agus  a'  ghaoth  ag 
eirigh,  dh'  iarr  an  ceannaiche  orra  a 
thighinn  air  cheilidh  air  agus  an  oidhche  a 
chur  seachad  's  an  tigh  aige.  Bha  na  fir  gle 
thoilichte  agus  bha  iad  'n  an  suidhe  mu  'n 
cuairt  air  an  teine,  agus  bha  tombaca  aig  an 
sgiobair  is  bha  e  a'  toirt  smoc  do  gach  duine 
a  bha  ann,  ach  'nuair  a  rainig  e  am  fear  mu 
dheireadh,  theirig  an  tombaca,  agus  cha  d' 
fhuair  esan  smoc  idir.  Bha  e  gle  dhuilich 
agus  thubhaii't  e  ris  an  sgiobair,  "Na  'n 
robh  fios  agad  air  a'  ghniomh  a  rinn  mise 
air  do  shon,  cha  'n  fhagadh  thu  mise  air 
deireadh  an  nochd."  Agus  an  sin  dh'  mnis 
e  dha  gur  esan  a  shabhail  e  air  an  la  siin  air 
creagan  Mhiugalaidh,  agus  e  dol  seachad  am 
measg  an  t-sluaigh. 

Nach  neonach  an  sgeul  sin?  Tha  mi  a' 
smaointinn  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil 
seorsa  de  neoil  a'  tighinn  thairis  air  daoine 
sonruichte  air  uairean,  agus  gu  bheil  an 
spiorad  a'  fagail  am  bodhaig,  agus  a'  dol 
troimh  an  t-saoghal  agus  a'  toirt  cobhair  do 
dhaoine  'n  an  eiginn. 

Is  toigh  leam  a  bhi  ag  eisdeachd  ri 
sgeulachdan  mar  sin  aig  taobh  an  teine  ann 
am  bothan  beag  Ealasaid,  agus  gun  solus 
ann  ach  soillse  na  moine  agus  Gaidhlig  cho 
blasda  aice. 

0,  a  Mhairi,  is  e  beatha  iir  is  beatha  air 
leth  a  tha  ann  an  so  !  Bho  chionn  mios,  cha 
'n  fhaca  mi  riamh  an  t-eilean  so  agus  cha  b' 
aithne  dhomh  neach  sam  bith  a  bha  ann,  ach 
leora  !  tha  mi  a  nis  a'  sealltuinn  air  an 
"Cygnet"  mhallaichte  mar  gu'm  b'  e  "Long 
Mhor  nan  Eilthireach"  a  bha  innte,  agus 
bidh  mi  fo  mhulad  a  bhi  falbh  as. 

Bidh  thusa  seachd  sgith  dhiom  agus  de  'n 
eilein,  ach  ma  thig  thu  an  so  la-eigin,  cha  bhi 
agadsa  cuideachd  ach  aon  phort ! 

Tha  an  t-sid  na  's  fhearr  an  drasd,  agus, 
a  Righ,  is  ise  a  dh'  fheumadh  sin  ! 

Tha  mi  an  dochas  gw'n  cluinn  mi  do 
naigheachd  ah  uine  nach  bi  fada. 

Leis  gach  beannachd,  ma  ta, 

Is  mise, 

Do  bhana-charaid   dhileas, 
Morag. 


35 


[Bha  an  litir  so  air  a  sgriohhadh  le  hean-uasal 
a  chaidh  a  mach  do  aon  de  na  h-eileanan  Gaidh- 
ealach  a  dK  ionnsachadh  Gaidhlig.  Chi  ar  hbchd- 
leughaidh  gu^n  do  7'inn  i  feum  maiih  d'a  h-uine 
anns  an  eilean,  ach  cha'n  jhaod  mi  ainm  an 
eilean  innseadh  air  eagal  gum  hi  a'h-uile  hean- 
uasal  aig  7iach  'eil  Gaidhlig  a!  dol  a  dK  iarradh 
racain  air  bean  Mhtcheil  NeiU.'\ 


AN  CRONACHADH  DALMA. 


Agus  ghahh  Peadar  e:  agus  thoisich  e  air 
achmhasan  a  thahhairt  dha,  ag  radh,  Gu  ma 
fada  sin  uaitse,  a  Thighearna;  cha  tachair  sin 
duitse.  Ach  air  tionndadh  dhasan,  thubhairt  e 
ri  Peadar,  Imich  air  mo  chiil,  a  Shatain;  is 
oilbheum  dhomh  thu:  oir  cha  'n  'eil  speis  agad 
do  nithihh  Dhe,  ach  do  nithibh  dhaoine.  Mata, 
XVI,  22-23. 

Na  'm  biodh  ainm  Pheadair  air  a  dhubh- 
adh  a  naach  as  an  Tiomnadh  Nuadh  bhiodh 
moran  de  theagasg  an  Tighearna  air  a  chall, 
oir  bha  Peadar  'n  a  niheadhon  air  toirt  air 
Chriosd  inntinn  fboillseachadh  ann  an 
iomadh  suidheachadh.  A  mach  o  Chriosd 
fein  cha  'n'  eil  ainm  eile  air  ainmeachadh 
anns  na  soisgeulan  oho  trie  ri  ainm  Phea- 
dair. Tha  e  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  mar 
a  bha  Daibhidh  anns  an  t-Seann  Tiomnadh, 
'n  a  dhuine  a  bha  a  reir  cridhe  Dhe,  ach  'n 
a  dhuine  cuideachd  d'  am  b'  fheudar  do 
Dhia  maitheanas  a  thabhairt  gu  deich  agus 
tri  fichead  seachd  uairean. 

Na'n  robh  fear-lagha  air  a  thuarasdal- 
achadh  gus  Peadar  a  chur  sios  aig  mod  sior- 
raim,  b'  uamhasach  a'  cliuis  -  dhitidh  a 
b'urrainn  da  a  dheanamh  'n  a  aghaidh, — 
gu'n  tug  losa  fein  an  t-ainm  Satan  air ;  gu'n 
do  rinn  e  boilich  aig  an  t-Suipeir  naoimh ; 
gu'n  do  chaidil  e  anns  a'  Gharradh  agus  a 
Mhaighstir  ann  an  teinn  ;  gu'n  do  chaidil  e 
air  a'  Bheinn  gus  nach  robh  fhios  aige  cio(i 
a  bha  e  ag  radh  an  uair  a  dhiiisg  e;  gu'n  do 
theab  e  duine  a  mharbadh  ann  am  feirg ; 
gu'n  d'  aicheadhaidh  e  Criosd  tri  uairean  is 
gu  bheil  Pol  ag  radh  gu'm  b'  fheudar  dha 
seasamh  aon  uair  gu  laidir  'n  a  aghaidh,  a 
chionn  gu  robh  e  coireach.  Bha  lochdan 
Pheadair  cho  lionmhor  ri  fuilteannan  a 
chinn,  ach  air  a  shon  sin  bha  gaol  aig  Criosd 
air  is  thug  e  maitheanas  dha ;  agus  cha  'n  e 
mhain  gu'n  tug  an  Tighearna  maitheanas 
dha  ach  fhuair  e  maitheanas  bho  dhaoine 
mar  an  oeudna.  Fhuair  e  maitheanas 
bho  na'  h  -  abstoil  eile,  agus  bho  a 
bhraithrean     anns     an     eaglais ;       rud       is 


iongantaiche  gu  mor  na  gu'n  d'  fhviair 
e  maitheanas  bho  'n  Tighearna.  Agus  fhuair 
e  sin  a  chionn  gu'm  b'  airidh  e  air  ;  a  chionn 
gu  robli  blaths  is  iochd  is  diadhaidieaclid  'n 
a  chridhe  a  dh'  aindeoin  laigse  na  feola. 

Ged  a  bu  dalma  do  Pheadar  achmhasan  a 
thoirt  d'a  Thighearna  cha  b'e  rud  dalma  a 
bha  'n  a  inntinn  an  uair  a  rinn  e  e.  Thuit  a 
chridhe  'n  a  chom  an  uair  a  dh'  innis  losa 
dhaibh  gu'm  b'eiginn  dha  dol  suas  gu  Jerusa- 
lem agus  a  bhi  air  a  chur  gu  bas.  B'e  sud 
sgeul  a'  bhroin  ann  an  cluasan  Pheadair, 
gu'm  biodh  a  Mhaighstir  air  a  chur  gu  bas, 
"  Gu  ma  fada  sin  uaitse  a  Thighearna,"  ars' 
esan,  "cha  tachair  sin  duitse."  Mar  gu'n 
abradh  e,  "  ma  tha  cunnart  a'  feitheamh  ort 
ann  an  lerusalem  c'  ar  son  a  rachadh  tu  ann  1 
Cha  leig  sinn  ann  thu  idir. "  Ach  thionn- 
daidh  losa  le  clisgeadh  agus  thubhairt  e  ris, 
"  Imich  air  mo  chul,  a  Shatain;  is  oilbheum 
dhomh  thu." 

Shaoileamaid  nach  d'  thubhairt  Peadar 
dad  cearr  no  as  an  rathad,  agus  gu'n  robh  an 
cronachadh  a  thug  an  Tighearna  dha  ro 
throm,  ach  c6  sinne  gu'n  cuireamaid  eucoir 
as  leth  an  Tighearna  1  Cuiridh  f acal  Cliriosd 
crioch  air  gach  uile  chonnsachadh,  agus  ma 
chronaich  esan  Peadar  faodaidh  sinn  a  bhi 
cinnteach  gu'n  do  thoill  Peadar  a  chrona- 
chadh  ;  faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  nach  e 
an  gliocas  a  ta  o  shuas  a  bha  air  a  bhilean  an 
uair  a  thairg  e  a  chomhairle  ud  do  Chriosd 
ach  an  gliocas  saoghalta. 

Theagamh,  na'n  robh  sinno  maille  ri 
Criosd  an  la  ud  gu'n  tugamaid  a'  cheart 
chomhairle  air  a  thug  Peadar;  gu'n  iarra- 
maid  air  a  bhi  curamach  uime  fein  agus  an 
aire  mhaith  a  ghabhail  d'a  bheatha ;  gu'n 
iarramaid  air  gun  dol  suas  do  lerusalem  aig 
an  am  air  eagal  agus  gu'n  glacadh  na  maoir 
e.  Dh'  iarramaid  air  a  chuimhneachadh 
cho  fiachail  's  a  bha  a  bheatha,  agus  cho 
cearr  's  a  bhiodh  e  dha  a  bheatha  a  thilgeil 
air  falbh  gun  aobhar.  Sin  agus  fichead  rud 
eile  a  bhuineadh  do'n  ghliocas  shaoghalta  dh' 
abramaid  ris,  gus  mu  dheireadh  an  tionn- 
dadh 6  oirnn  ann  an  oorruich  naomh  mar  a 
thionndaidh  e  air  Peadar,  agus  an  abradhe, 
Imichibh  air  mo  chul ;  cha  bhuair  sibh  ar 
Tighhearna. 

B'e  sin  am  buaireadh  sonruichte  agus  am 
buaireadh  laidir  a  bha  ag  iadhadh  mu 
Chriosd  uile  laithean  a  mhinistrealachd, — gu 
robh  an  saoghal  agus  an  fheoil  agus  an  dia- 
bhol  ag  iarraidh  air  Calbhari  a  sheachnadh 
agus  obair  a  chiomhlionadh  ann  an  doigh  a 
b"  fhasa.  Chomhraig  e  ca'th  eagallach  ris  an 
Diabhol  anns  an  fhasach  a  thaobh  na  cuise 
sin,  is  fhuair  e  a'  bhuaidh  ;  agus  fad  iomadh 
latha  an  deidh  na  buadha  bha  gairdeachas 
'na  chridhe  a  chionn  nach  d'  eisd  e    ris    na 


36 


guthan  a  bha  'ga  tharruing  air  ceumanna 
eile  seach  an  t-slighe  a  shonraich  Dia 
dha.  Bha  gairdeachas  'n  a  chridhe 
gUi  robh  an  gnothucli  ud  air  a  chur 
an  dara  taobh ;  nach  robh  deasbud  ri  bhi  air 
a  dheanamh  uime  tuilleadh,  agus  nach  robh 
aige  ri  sealltuinn  air  ais.  Ach  a  nis  bha  an 
t-seann  cheist  air  a  fosgladh  as  ur  agus  an 
seann  bhuaireadh  'ga  choinneachadh  aon 
uair  eile  !  Agus  bha  a'  cheist  air  a  fosgladh 
agus  am  buaireadh  air  a  chur  'n  a  charaibh, 
cha  'n  ann  leis  an  Diabhol  no  le  a  naimh- 
dean,  ach  le  fear  d'a  dheisciobuil  fein;  fear 
dhiubh  a  bheannaich  a  beagan  uine  roimh 
sin  air  son  a  thuigse  spioradail.  An  iongh- 
nadh  e,  mata,  gu  robh  Criosd  air  a  ghorta- 
chadh  agus  gu'n  d'  thubhairt  e  ri  Peadar  gu 
robh  barrachd  speis  aige  do  nithean  dhaoine 
na  bha  aige  do  nithean  Dhe,  agus  nach  robh 
'na  bhriathran  ach  buaireadh  o  Shatan. 

Na'n  do  ghabh  Criosd  comhairle  Pheadair 
tha  mi  ceart  cinnteach  gur  e  Peadar  a'  cheud 
fhear  a  bhiodh  duilich  gu'n  do  ghabh  e  i. 
Na'n  d'  thubhairt  Criosd  ris,  Theagamh  gu 
bheil  thu  ag  radh  na  firinn  agus  nach  biodh 
e  ceart  dhomh  mo  bhoatha  a  chur  ann  an 
cunnart,  no  am  bas  fhulang  air  a'  chrann- 
cheusaidh ;  mar  sin  seachnaidh  mi  Jerusalem 
an  drasd  agus  fanaidh  mi  an  so  am  folach 
gus  am  bi  gach  cunnart  seachad ;  na'n  d' 
thubhairt  Criosd  sin  ciod  a  shaoileadh  Peadar 
dheth,  no  ciod  a  shaoileadh  tu  fein  dheth,  a 
leughadair?  Tha  mi  Ian  chinnteach  gu'n 
tuiteadh  cridhe  Pheadair  cho  a  losal  's  nach 
b'  urrainn  da  sealltuinn  ann  an  suilean  a 
Mhaighstir  ;  bhiodh  fhios  aige  gu'n  do  naraich 
e  a  charaid  ged  a  fhuair  e  a  ghuidhe.  Oir 
ciod  a  bha  a'  ceangal  cridhe  Pheadair  ri 
losa?  Ciod  a  tha  a'  ceangal  ar  cridheachan- 
ne  ris,  agus  ciod  a  choisinn  dha  meas  agus 
gradh  an  t-saoghail  uile?  Nach  e  so  e,  gu'n 
do  theasairg  e  daoine  eile  agus  nach  teasair- 
geadh  e  e  fein.  Bu  bheag  aige  moladh 
dhaoine,  no  comhfhurtachd  na  feola,  no  gloir 
shaoghalta,  an  coimeas  ri  toil  Dhe  a  dhea- 
namh agus  obair  na  slainte  a  choimhlionadh. 
An  t-slighe  air  an  do  choisich  am  Maigh- 
stir,  sin  an  t-slighe  air  am  feum  a  sheir- 
bhisich  coiseachd  mar  an  ceudna.  Feumaidh 
iad  Satan  agus  oomhairlean  Shatain  a  chur 
air  an  cul  gach  latha  d'  am  beatha  agus  an 
aghaidh  a  chumail  air  Dia;  feumaidh  iad 
gabhail  ri  toil  Dhe  eadhon  ged  bheir  toil  Dhe 
gu  Getsemane  agus  gu  Calbhari  iad.  Tha  an 
t-slighe  sin  daonnan  dorcha  agus  daonnan 
duilich,  agus  bhiodh  i  onrachdach  cuideachd 
muir  b'e  gu  bheil  Criosd  fein  maille  riusan  a 
bhios  ag  imeachd  oirre,  ach  ni  a  chompanas- 
san  an  rathad  fada  goirid,  agus  a'  h-uile 
rathad  solasach. 


BRUACH  lORDAIN. 

Bha  an  dan  naomh  so  air  a  sgrxobhadh  leis 
a'  bhard  Mac  Illeathain,  no  mar  theireadh 
iad  ris  ann  an  Tiriodh  far  an  do  rugadh  e, 
Iain  Mac  Ailein,  bard  Thighearna  Cholla 
Rugadh  e  anns  a'  Chaolus  anns  a'  bhliadhna 
1787.  An  uair  a  bha  e  bliadhna  air  fhich- 
ead  phos  e  Iseabal  Bhlack,  nighean  foirbhich 
ann  an  Liosmor.  Ann  an  1818  chuir  e  a  mach 
leabhar  de  na  h-6rain  a  rinn  e,  agus  an 
ath  bhliadhna  chaidh  e  fhein  agus  a  theagh- 
lach  do  America,  far  an  do  thachair  boch- 
dainn  is  cruadal  air.  Shiubhail  e  ann  an 
184:8.  Tha  na  h-6rain  a  rinn  e  na  's  fhear r 
mar  bhardachd  na  na  laoidhean.  Is  e  an 
t-6ran  as  fhearr  a  rinn  e  riamh.  A'  choille 
Ghruamach,  far  a  bheil  e  ag  innseadh  mu'n 
chruadal   a   dh'    amais  air  ann   an  America, 

Chaidh  mo  cheum  ann  am  maillead, 
'S  tha  mo  shealladh  'g  am  threigsinn ; 
Tha  mi  dluth  air  bruaich  lordain, 
'S  gura  bronach  ma  sgeula ; 
Bha  mi  diiiltadh  mo  chridh' 
Thoirt  do  'n  Ti  chaidh  a  cheusadh, 
Bha  mi  leanachd  rao  namhaid, 
'S  mi  mar  thraill  a'  toirt  geill  dha. 

'Nuair  bu  choir  dhomh  bhi  smaointinn 

Air  an  aon  ni  bha  feumail, 

Gur  e  bruadaran  diomhain 

Bh'  ann  am  inntinn  ag  eirigh ; 

Bha  mi  siubhal  nam  beann 

'S  a'  ruith  gu  teann  air  bheag  ceille, 

A'  ruagadh  sholasan  faoine, 

Mheall  an  saoghal  'na  dheidh  mi. 

Tha  mo  pheacanna  lionmhor 

'S  ann  am  chridh  tha  gach  truailleachd, 

'S  trie  fein-fhireantachd  ghraineil 

Tighinn  gu  dana  mu   'n  cuairt  domh  ; 

'S  iomadh  lot  thug  mi  Dhasan 

Sheas  'n  am  aite  le  truas  dhiom, 

Tha  mi  'n  cunnart  mo  bhathaidh, 

'S  a  bhi  'n  aite  na  truaighe. 

A  Thi  a  dh'  fhuiling  do  cheusadh 

'S  ann  riut  fein  tha  mo  ghearan ; 

Ged  a  tha  mi  Ian  euchail 

'S  tusa  'n  Leigh  ni  mo  ghlanadh ; 

Tha  na  leoghainn  a'  beucaich 

As  mo  dheidh  gu  bhi  m'  charaibh, 

Biodh  do  ghairdean  'g  am  dhion  bhuap', 

'S  thoir  dhomh  sith  ann  am  anam. 

Soillsich  solus  do  ghrais 

Am  chridhe  graineil,   Ian  f otuis ; 

Dean  mo  tharruing  'g  ad  ionnsuidh 

A  thoirt  umhlachd  ri  m'  bheo  dhuit; 

Geal  mar  shneachda  dean  m'  fhagail, 

'S  thoir  mi  sabhailt  thar  lordain, 

Gu  bhi  seinn  's  a  toirt  cliu  dhuit 

Ann  an  duthaich  an  t-s61ais. 


Air.    10. 


1925. 


MUR  TOG  AN  TIGHEARN  AN  TIGH. 


Mur  beannaich  an  Tighearna  ar  n-obair 
bha  cho  mhaith  dhuinn  a  bhi  'n  ar  cadal ;  cha 
'n  ann  le  gaii'dean  na  fe61a  no  le  innleach- 
dan  an  t-saoghail  a  chuirear  air  chois  riogh- 
achd  Dhe  air  thalamh,  ach  le  creideamh  is 
urnuigh  is  cumhachd  an  Spioraid  Naoimh. 

Aig  an  am  so  de'n  bhliadhna  tha  moran 
de  na  h-eaglaisean  anns  an  duthaich  a'  dean- 
amh  ropainean  is  fheilltean  aig  a'  bheil  air- 
giod  air  a  thogail  air  son  aobhar  an  Tigh- 
earna, ach  an  uair  a  smuainichear  air  na 
d6ighean  saoghalta  agus  neo-Chriosdail  anns 
a'  bheil  an  t-airgiod  sin  gu  bitheanta  air  a 
thogail,  an  seorsa  phocannan  as  a  bheil  e  air 
a  tharruing,  agus  na  h-innleachdan  peacach 
a  tha  air  an  cleachdadh  gus  Philistich  ana- 
creidich  a  spuileadh,  tha  e  anabarrach 
duilich  a  chreidsinn  gu'm  beannaich  Dia  an 
t-airgiod  sin  ann  an  seirbhis  a  rloghachd. 
Agus  mur  tog  an  Tighearna  an  tigh  is  diomh- 
ain  a  bhios  saothair  an  luchd-togail. 

Tha  an  gnothuch  so  a  nis  air  fas  cho  nar- 
ach  's  gu  bheil  e  a'  toirt  oilbheum  do  choguis- 
ean  dhaoine  nach  'eil  a'  gabhail  orra  fhein  a 
bhi  na's  fhearr  na  muinntir  an  t-saoghail. 
An  uair  a  tha  dannsadh  is  baoth-shiigradh, 
cluich  air  chairtean  is  dhistean,  iomairt  is 
fiosachd,  agus  iomadh  slaoightearachd  eile, 
air  am  beannachadh  leis  an  eaglais  air  ghaol 
buannachd  a  dheanamh  asda  ciamar  is 
urrainn  dhi  fianuis  chothromach  a  thogail 
anns  an  t-saoghal  air  taobh  an  lagha  sin  a 
tha  i  fein  a'  briseadh?  Cha  'n  'eil  d?)chas 
air  bith  agam-sa  gu'n  cuirear  stad  air  an 
olc  so  ann  an  cabbaig,  oir  tha  an  eaglais  an 
diugh  ach  beag  cho  saoghalta  'na  d^ighean 
ris  an  t-saoghal  fh6in,  ach  co  dhiu  bu  mhaith 
leam  iomradh  a  dheanamh  anns  an  aireamh 
so  air  duine  diadhaidh  a  bha  cho  furachail 
air  na  meadhonan  a  bha  ceadaichte  dha  ann 
an  seirbhis  an  Tighearna  's  a  bha  e  air  an 
t-seirbhis  fhein,  an  dochas  gu'm  faic  cuid 
de  na  leughas  uime  an  leasan  a  tha  Dia  a' 
teagasg  daibh  ann  am  beatha  an  duine  so, 
Se6ras  Miiller  nach  maireann.  Cha  rnig  mi 
a  leas  eachdraidh  a  bheatha  innseadh  o'n 
toiseach,  no  iomradh  a  dheanamh  air  an 
obair  mh6r  a  rinn  e  ann  am  Bristol  far  an 
do  thog  e  coig  tighean-fasgaidh  air  son 
dhilleachdan,  oir  tha  fhios  aig  an  t-saoghal 
uile  air  an  obair  sin. 

B'e  aon  de  na  puingean  air  an  do  sheas  e, 
gur  c6ir  do  shluagh  an  Tighearna  am  beatha 
uile  a  riaghladh  a  r^ir  nan  sgriobturan,  agus 


an  obair  uile  a  dheanamh  a  reir  a  thoile. 
Ach  chunnaic  e  nach  robh  na  braithrean  eile 
anns  an  eaglais  de'n  aon  bheachd  ris  a 
thaobh  fichead  rud  anns  an  robh  e  cinnteach 
gu'm  b'  aithne  dha  ciod  i  toil  an  Tighearna. 
A  dh'  aon  ni,  bha  e  a'  faicinn  gu'n  robh  iad 
ag  iarraidh  airgid  air  son  an  t-soisgeil  o 
dhaoine  nach  robh  iompaichte  agus  aig  nach 
robh  iiigh  air  bith  ann  an  aobhar  Chriosd, 
agus  bha  esan  cinnteach  nach  robh  sin  ceart 
no  sgriobturail.  A  thuilleadh  air  sin,  thog 
e  a  ghuth  an  aghaidh  a  bhi  leigeil  leis  an 
eaglais  a  bhi  tuiteam  ann  am  fiachan,  agus 
an  aghaidh  an  fhasain  a  bha  aice  a  bhi  cur 
dhaoine  mora  (Morairean  is  maithean  eile) 
anns  a'  chathair  aig  coinneamhan,  gun  fheor- 
aich  ciod  an  seorsa  dhaoine  a  bha  annta. 

Mar  sin  chuir  e  air  chois  Comunn  dha 
fhein,  anns  am  biodh  saorsa  aige  obair  an 
Tighearna  a  ghiiilan  air  a  h-aghaidh  mar 
a  bha  e  an  dull  a  bha  ceart,  agus  thug  e  cuir- 
eadh  do  gach  duine  a  bha  de'n  aon  inntinn 
ris  tighinn  a  steach  do'n  Chomunn  so,  agus 
a  bheatha  a  choisrigeadh  do  Dhia  gun  tuaras- 
dal.  B'e  so  riaghailtean  a'  Chomuinn  : — 
I.  Is  e  dleasdanas  agus  sochair  gach 
creidmhich  aobhar  agus  obair  Chriosd 
a  chuideachadh. 

Cha'n     iarrar    comhnacJh    no     fabhar 
an  t-saoghail  ann  an  aobhar  Chriosd, 
agus  cha'n  earbar  asda. 
Cha'n  iarrar  airgiod  no  comhairle  no 
cuideachadh    ann   an   aobhar    Chriosd 
air  daoine  nach  'eil  a'  creidsinn  ann. 
Cha  teidear   ann    am  fiachan    ann   an 
obair  air  bith  a  bhuineas  do  Chriosd. 
Cha'n  ann  air  bhonn  airgid  no  aireamh 
an  t-sluaigh  a    leanas  sinn   a  thomh 
sear  ar  soirbheachadh. 
Cha    oheadaichear   airm   fheolmhor    'n 
ar  cogadh  spioradail,  no  rud  air  bith 
a   bhreugnaicheas    ar   fianuis    do'n   t- 
saoghal. 

Is  e   Focal  an   Tighearna  ar  fear-tea- 

gaisg  agus  ar  fear-comhairle,  agus  tha 

ar   n-earbsa   uile    ann   am    beannachd 

Dhe  a  thig  mar   fhreagairt  do   ar  n- 

urnuighean. 

B'e   na  nithean   a   bha  's  an   amharc  aig 

Se6ras    Miiller   an    uair    a    chuir    e    air    chois 

an     eaglais   no   an  comunn   ur  so,     sgoilean 

seachduin  is   Sabaid    a  chur    air    chois   anns 

am  biodh  e61as  na  Firinn  air  a  thoirt  seachad 

do'n    chloinn    le     luchd-teagaisg    a    bha    fo 

chumhachd  na  Firinn  iad  fhein ;  am  Biobull 

a  chraobh-sgaoileadh  am  fad  is  am  farsuing- 


II. 


III. 


IV. 


V. 


VI. 


VII. 


38 


eachd ;  agus  comhnadh  a  thoirt  do  dhaoine 
a  bha  saothrachadh  ann  an  seirbhis  an  Tigh- 
earna,  ge  b'e  aite  an  robh  iad  ag  oibreach- 
adh,  ma  bha  iad  a'  saothrachadh  gun  phaigh- 
eadh  agus  a'  sealltuinn  ris  an  Tighearna  a 
mhain  air  son  am  beoshlaint.  Ann  am  beagan 
nine  ghabh  e  os  laimh  ciiram  a  ghabhail  do 
dhilleachdain  a  bha  air  am  fagail  gun  athair 
gun  mhathair. 

Dh'  fhas  an  eaglais  so  lion  beag  is  beag  ; 
ann  an  da  bhliadhna  bha  mu  dha  cheud  gu 
leth  creidmheach  a'  seasamh  air  na  puingean 
so  maille  ris,  ag  oidhirpeachadh  nithean 
mora  ann  an  seirbhis  an  Tighearna  gun  a 
bhi  ag  iarraidh  airgid  ann  an  doigh  air  bith 
ach  a  mhain  ann  an  urnuigh  ri  Dia.  Bha 
Se6ras  Miiller  cho  eudmlior  a  thaobh  na 
puinge  so,  's  nach  innseadh  e  do  bhraithrean 
usaideach  gu  robh  sporan  na  h-eaglais  falamh, 
eadhon  an  uair  a  bhiodh  e  falamh,  air  eagal 
gu'n  saoileadh  iad  gu  robh  e  ag  iarraidh  air- 
gid, no  gu'n  gabhadh  iad  doigh  air  fliaotainn 
nach  robh  e  fhein  a'  ceadachadh. 

Gus  naigheachd  fhada  a  dheanamh  goirid 
thog  an  duine  so  coig  tighean-fasgaidh  air 
son  dhilleachdan,  a  chosd  £115,000,  agus  a 
dh'  fheumadh  £26,000  de  thighinn-a-stigh  a 
h-uile  bliadhna  'g  an  cumail  suas.  Re  a 
bheatha  fhuair  e  muillean  gu  leth 
(£1,500,000);  chuir  e  £250,000  ann  an  obair 
an  t-soisgeil  anns  na  duthchannan  thall  agus 
ann  an  craobh-sgaoileadh  a'  Bhiobuill,  agus 
thog  isbheathaich  is  dh'  oileanaich  e  se  fichead 
's  a  tri  mile  dilleachdan  (123,000).  Agus  fad 
na  h-uine  a  bha  e  ris  an  obair  mhor  agus 
bheannaichte  sin,  cha  do  labhair  e  aon  fhacal, 
is  cha  do  sgriobh  e  aon  litir,  a'  baigearachd 
airgid.  An  uair  a  bhiodh  airgiod  a  dhith 
air  chuireadh  e  fheum  an  lathair  an  Tigh- 
earna ann  an  urnuigh,  cinnteach  gu'm 
freagradh  Dia  e,  agus  bha  e  daonnan  a' 
faotainn  a  reir  a  chreidimh. 

Theagamh  gu'n  abair  cuid  de  na  leiighas 
an  duilleag  so  nach  'eil  ann  an  so  uile  ach 
sgeul  air  nach  'eil  dreach  na  firinn,  oir  cha 
'n  'eil  earbsa  air  bith  aca  ann  an  urnuigh 
mar  mheadhon  air  son  airgiod  a  thruiseadh. 
Cha  bhiodh  moran  earbsa  agam-sa  ann  mi 
fhein  na'n  robh  an  t-airgiod  a  bhatar  ag 
iarraidh  ann  an  urnuigh  ri  bhi  air  a  chosg 
air  nithean  faoin  no  suarrach,  air  nithean 
nach  deanadh  ach  toil  is  tograidhean  na  feola 
a  riarachadh ;  ach  is  rud  eile  e  an  uair  a 
tha  an  t-airgiod  ri  bhi  air  a  choisrigeadh  uile 
gu  leir  do  aobhar  an  Tighearna  fein  agus  air 
son  gloir  ainme,  gun  uiread  agus  aon  iarrtus 
beag  a  bhi  ann  an  cridhe  an  duine  a  tha  ag 
urnuigh  nach  'eil  a  reir  toile  Dhe.  Ach  ged 
a  tha  mise  creidsinn  a  h-uile  facal  de  na  tha 
Se6ras  Miiller  ag  innseadh  mu'n  doigh  anns 
an  robh  Dia  a'  freagairt  urnuighean  an  uair 


a  bhiodh  feum  aig  tighean-nan-dilleachdan 
air  airgiod,  tha  mi  a'  creidsinn  cuideachd 
gu'm  biodh  e  dana  do  dhaoine  eile  eiseimpleir 
a  leantuinn,  a  chionn  nach  'eil  ach  duine  anns 
a  mhile  a  tha  air  fhalmliachadh  cho  buileach 
dheth  fhein  's  a  bha  an  duine  diadhaidh  ud. 
Cha  robh  gaol  aig  Seoras  Miiller  air  airgiod 
air  a  shon  fein ;  bha  e  'na  ni  suarrach  'n  a 
shuilean  ach  a  mhain  air  son  an  t-soisgeil  agus 
nan  dilleachdan.  An  uair  a  shiubhail  e  cha 
robh  de  shaoibhreas  an  t-saoghail  so  aige  ach 
tri  fichead  not,  ach  ged  a  bha  e  bochd  'n  a 
chrannchur  shaoghalta  bha  e  beartach  a 
thaobh  creidimh,  is  graidh,  is  iochd;  'na 
dhuine  a  bha  cur  seachad  a'  chuid  mhor  d'a 
iiine  air  a  ghluinean  ann  an  athchuinge 
dhiirachdach  ri  Dia. 

Ach  ciod  a  shaoileadh  Seoras  Miiller,  no 
ciod  a  shaoileadh  an  t-abstol  Pol,  na'n  tach- 
radh  dhaibh  dol  a  steach  an  diugh  gu  aon 
de  na  feilltean  leis  am  bithear  a'  truiseadh 
airgid  air  son  an  t-soisgeil,  agus  na'n 
iarradh  caileag  liomhach  phroiseil  nach  cuala 
riamh  iomradh  air  a'  ghairm  eifeachdaich 
orra  tasdan  a  phaigheadh  air  son  cudthrom 
a'  choilich  a  bha  'n  a  laimh  a  thomhas? 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Is  e  an  aon  ni  a  bheireadh  do  Wembley  mi, 
sealladh  fhaotainn  air  Diplodocus.  Ciod  is 
fhiach  Exhibition  gun  Diplodocus?  Tha 
fhios  gur  h-aithne  dhudt,  a  leughadair,  am 
beathach  ris  an  abair  na  sgoilearan  mora, 
an  Diplodocus.  Mur  h-aithne,  na,  gabh  ort 
e.  Tha  clann  an  diugh  anns  a'  Ghaidhealt- 
achd  a  tha  fada  na's  eolaiche  air  an  Diplodo- 
cus agus  air  Tyrannosaurus  na  tha  iad  air 
Mac  Cailein  Mor  no  air  Mac  Shimi.  Innsidh 
iad  dhuit  am  fad  agus  an  leud  agus  an  cudth- 
rom a  bha  anns  na  beathaichean  a  bha  beo 
na  miltean  bliadhna  roimh  linn  Noah,  ged 
nach  aithne  dhaibh  aon  as  an  fhichead  de  na 
luibhean  a  tha  fas  air  na  machraichean.  Tha 
balaich  ann  an  Uidhist  agus  ann  an  Tiriodh 
a  litricheadh  gu  ceart  ainm  an  Giganto- 
saurais  ann  am  Beurla,  ged  nach  litricheadh 
iad  ainm  a'  bhuadhghallain  bhuidhe  ann  an 
Gaidhlig.      Sin  agad  sin. 

Ach  cha  'n  ann  air  ghaol  coire  fhaotainn 
do'n  oileanachadh  a  thatar  a'  toirt  do'n 
chloinn  an  diugh  a  thug  mise  tarruing  air 
an  Diplodocus  an  drasd,  ach  a  chionn  gu'n 
robh  mi  a'  leughadh  uime  ann  an  toiseach 
na  h-oidhche,  agus  gu'n  tainig  an  smuain 
'n  am  inntinn  gu'm  biodh  e  furasda  dhomh 
searmon  a  dheanamh  uime  na'n  toilichinn. 
B'e  an  ceann-teagaisg  a  ghabhainn.  Cha'?i 
ann  do  na  daoine  luatha  a  tha  an  reis  no  do 
no  daoine  treuna  an  cath. 

B'   abhaist  do  Luther  a  bhi  ag  radh  gu'm 


39 


b'e  an  gealbhonn  fear-teagaisg  a  b'  fhearr 
a  bha  riamh  aige;  gu'n  do  theagaisg  e  dha 
barrachd  mu  ghradh  Dhe  na  rinn  na  diadh- 
airean  uile.  Bhiodh  Solamh  a'  tarruing 
shamhlaidhean  'n  a  shearmoin  bho  chraobhan 
agus  bho  ainmhidhean,  a'  labhairt  mu  chreu- 
taix-ean  snaigeach  agus  mu  chreutaii'ean  air 
iteig.  Nach  fhaod  mise  agus  thusa,  mata, 
gliocas    fhoghlum    o'n    Diplodocus? 

Bha  an  Lebhiatan  uamhasach  so  corr  agus 
ceithir  fichead  troigh  am  fad,  agus  bha  e  cho 
mor  tiugh  'na  choluinn  's  gur  gann  a  ghiul- 
aineadh  a  chasan  a  cholunn,  ged  a  bha 
ceithir  casan  goirid  air  agus-  gach 
te  dhiubh  cho  garbh  ri  baraile. 
B'ann  le  earball  a  bhiodh  e  'g  a 
dhion  fhein,  agus  an  uair  a  dh'  innseas  mi 
dhuit  gu  robh  da  fhichead  troigh  anns  an 
earball  aige  agus  tunnachan  de  chudthrom, 
agus  gu'n  ciiireadh  e  mu'n  cuairt  e  a  cheart 
cho  luath  's  a  chuireadh  Domhnull  Dinnie 
an  t-6rd  mu'n  cuairt  a  chinn  an  uair  a 
bhiodh  e  a'  dol  'g  a  thilgeil,  tuigidh  tu  ciod 
an  sgailc  a  bheireadh  an  Diplodocus  do  chreu- 
tair  air  bith  eile  a  chuireadh  dragh  air.  Ach 
a  dh'  aindeoin  a  neirt  dh'  fhairtlich  air,  cleas 
a'  Cheasair,  aite  fhein  a  ghleidheadh  anns  a' 
ghrein  ;  chaidh  an  creutair  mor  uamhasach  so 
as  an  t-sealladh  gu  buileach,  agus  tha  mac  an 
duine  an  diugh  a'  sealbhachadh  na  h-oigh- 
reachd  a  bha  aige.  Ciod  an  t-aobhar  air  sin  ? 
Tha,  nach  robh  anns  an  Diplodocus  ach'rud 
beag  faoin  de  eanchainn,  agus  ann  an  stri  an 
t-saoghail  so  agus  ann  an  reis  na  beatha. 
gheibh  eanchainn  is  ealain  is  seoltachd  a' 
bhuaidh  daonnan  air  neart  cuirp.  Is  fhearr 
do  chreutair  unnsa  a  bharrachd  a  bhi  'n  a 
eanchainn  na  troigh  a  bharrachd  a  bhi  'n  a 
earball.  Cha'n  ann  do  na  daoine  luatha  a 
tha  an  reis,  no  do  na  daoine  treuna  an  cath  ; 
ann  an  eolas  a  mhain  tha  cumhachd. 

Ann  an  i6g-mhaduinn  an  t-saoghail  cha 
robh  ann  am  mac  an  duine  ach  creutair  lag 
ann  an  coimeas  ris  na  creutairean  eile  a  bha 
anns  na  coilltean  agus  air  na  machraichean. 
Agus  b'  ion  de  eagal  a  bhi  air,  oir  is  e  lagh  na 
coille  "  a  bheist  as  motha  ag  itheadh  na 
beiste  as  lugha."  Ach  ged  nach  robh 
armachd  aige  'ga  dhion  fein  ach  a  mhain  a 
lamhan  laga,  armachd  nach  hiodh  gu  moran 
feuma  dha  an  uair  a  thachradh  leomhann  no 
tiogar  air,  gidheadh  bha  eanchainn  aige  nach 
robh  aca-san,  agus  is  ann  le  cumhachd  a 
reusain  a  fhuair  e  ughdarras  thairis  air  na 
h-ainmhidhean.  Le  cumhachd  a  reusain 
dhealbh  e  innealan  leis  an  cuireadh  e 
as  do  chreutairean  a  bha  bagairt  air. 

Sin  rud  nach  do  rinn  creutair  eile  riamh 
ach  e  fhein.  Na'm  b'  urrainn  do  chreutair- 
ean eile  dol  ann  an  co-bheinn  agus  an  com- 


hairle  a  chur  ra  cheile,  agus  cogadh  a 
dheanamh  an  aghaidh  mhic  an  duine  le 
tuigse,  cha  b'  urrainn  da  aite  fhein  a  ghleidh- 
eadh air  an  talamh  idir.  Na'n  robh  na 
speachan  cho  glic  's  a  tha  iad  cho  guineach 
bha  uiread  dhiubh  againn  ann  am  Blar  am 
bliadhna  's  nach  bioclh  aon  duine  anns  an 
sgireachd  a  lathair  an  diugh  na'n  doghlaoidh 
na  speachan  cogadh  an  aghaidh  chlann- 
daoine. 

Is  e  mac  an  duine  an  aon  chreutair  aig  a 
bheil  cuimhne,  co  dhiii  cuimhne  as  fhiach 
cuimhne  a  radh  rithe,  cuimhne  a  ni  feum  de 
fhiosrachadh  a'  chinnidh  uile.  Ged  is  seolta 
na  creutairean  an  seangan  agus  an  seillein 
tha  na  tighean  agus  na  doighean 
aca,  agus  na  soithichean  anns  a 
bheil  iad  a'  gleidheadh  na  meala,  mar  a  bha 
iad   muillein  bliadhna  roimh   so.  Cha  'n 

'eil  iad  a'  tighinn  aon  cheum  air  an  aghaidh. 
Ach  cha  'n  e  sin  do  mhac  an  duine;  tha  esan 
a'  dealbh  nithean  ura  gun  sgur,  agus  tha 
gach  gineal  a  dh'  fhalbhas  a'  fagail  eolais 
no  fiosrachadh  iir  air  chor-eigin  aig  a'  ghineil 
a  thig   'n  a  deidh. 

Cha  bhiodh  so  comasach  do  mhac  an  duine 
a  dheanamh  mur  b'e  gur  h-iirrainn  da 
hruidhinn.  Ciod  air  bith  an  doigh  anns  an 
d'  fhuair  e  tiodhlac  na  cainnte,  is  e  cainnt 
an  garadh-criche  eadar  mac  an  duine  agus 
na  h-ainmhidhean.  Do  bhrigh  gu  bheil 
cainnt  aca  theid  aig  cloinn-daoine  air  dol  ann 
an  co-bheinn  mu  chuisean  am  beatha,  agus 
theid  aca  mar  an-ceudna  air  an  eolas  agus 
am  fiosrachadh  a  chomhphairteachadh  ri 
cach-a-cheile. 

Os  cionn  an  doruis  anns  an  t-seomar  anns 
a'  bheil  ealain  na  feallsanachd  air  a  teagasg 
ann  an  Oilthigh  Dhuneidinn  tha  na  briathran 
so  sgriobhta, 

Air  an  talamh  cha  'n  'eil  mor  ach  an  duine  : 
Anns  an  duine  cha  'n  'eil  m.or  ach  an  inntinn. 

Is  ann  le  cumhachd  na  h-inntinn  a  chios- 
naich  mac  an  duine  creutairean  a  bha  fichead 
uair  na's  laidire  na  e  fhein,  agus  is  ann  le 
cumhachd  na  h-inntinn  a  rinn  e  seirbhisieh 
is  luchd-frithealaidh  de'n  ghaoith  agus  de'n 
dealanach.  A  thaobh  meudachd  is  near't  cha 
robh  ann  am  mac  an  duine  ri  taobh  an 
Diplodocuis  ach  mar  gu'm  biodh  paisde  ri 
taobh  famhair,  ach  bha  solus  na  h-inntinn 
anns  a'  phaisde,  is  mar  sin  bhuadhaich  e  anns 
a'  chath  agus  ann  an  reis  na  beatha.  Ged  a 
tha  miltean  de  chreutairean  na  talmhainn  a' 
basachadh  a'  h-uile  bliadhna  leis  an  fhuachd, 
agus  sin  a'  dol  air  aghaidh  bho  chionn  na 
muilleinean  bliadhna,  cha  do  rinn  creutair 
eile  riamh  teine  ach  a  mhain  mac  an  duine. 
Tha  cait  agus  coin  agus  iomadh  creutair  eile 
eolach  gu  leoir    air   teine ;    is  toigh  leo    am 


40 


blaths  a  gheibh  iad  bhuaithe,  ach  air  a  shon 

sin  cha  d'  fhadaidh  gin  dhiubh  teine  riamh, 

agus  cha  mho  a  ghabh  iad  curam  gus  an  teine 

a  bha  cheana  air  fhadadh  a  chumail  beo.     A 

dh'  aindeoin  na  their  na  daoine  a  bhios  ag 

radh    nach  'eil   anns  an  duine    ach   slol    an 

ainmhidh,      tha      doimhne      neo-chriochnach 

eadar  mac  an  duine  agus  na  h-ainmhidhean. 

Ged  a  bheireadh    am  moncaidh  a  leth   shuil 

air  son  cnotha,   agus  an   asail   a  leth  chluas 

air  son  currain,  c6  am  moncaidh  no  an  asail, 

le  ro-chiiram  a  ghabhail,   a  chuir  craobh  no 

curran  los  an  acras  a  shasuchadh ;  no  c6  an 

t-ainmhidh  a  dhealbh  inneal  no  acfhuinn  los 

feum  a  dheanamh  de  chumhachdan  naduir, 

no  los  e  fhein  a   dhion  bho  bheistean   a   bu 

mhotha  agus  a  bu  laidire?     Tha   fada  bar- 

rachd    astair     eadar    an    duine    agus    an   t- 

ainmhidh  na  tha  eadar  an  duine  agus  Dia. 

Mar  a  thubhairt  Pascal,  Cha  'n  'eil  mac  an 

duine  ach  mar  a'  chuilc,  a'  chuilc  as  breoite 

anns  a'  chruthachadh,  ach  is  cuilc  e  anns  a 

bheil  mothachadh.     Ni  rud  as  lugha  na  neart 

an   domhain   a   mharbhadh ;  marbhaidh  aon 

bhoinne  uisge   e,    no  aon    anail   de'n   cheo  a 

dh'  eireas  as  an  talamh.     Ach  ged  a  thuiteadh 

na  beanntan  air  agus  ged  a  phronnadh  iad  e, 

bhiodh  barr  aige  air  na  beanntan,  oir  bhiodh 

fhios  aige  gu'n  robh  e  'g  a  phronnadh  ach 

cha   bhiodh   fhios   aca-san   air.     Th'a    uaisle 

agus  inbhe  mhic  an  duine  a  co-sheasamh  'n  a 

inntinn. 

******* 

Sgriobh  mi  na  tha  air  an  duilleig  so  an 
raoir,  ach  b'  fheudar  dhomh  dol  a  luighe 
m'an  do  chriochnaich  mi  mo  sheanchas,  oir 
bha  an  uair  anmoch.  Ach  ma  chaidh  mi 
do'n  leabaibh  cha  deachaidh  mi  gu  fois,  agus 
bhiodh  e  na  bu  lugha  saruchaidh  air  mo 
bhodhig  na'n  a'  fhan  mi  aig  an  teine,  oir 
fad  na  h-oidhche  bha  mi  a'  bruadar  air  an 
Diplodocus,  agus  air  mo  ruagadh  leis  a' 
bheist,  gus  mu  dheireadh  nach  robh  de  luth 
annam  na  theicheadh  bhuaith  ged  nach  robh 
fodham  ach  am  bas  fhein.  Is  iomadh  seorsa 
trom-lighe  air  a  bheil  eolas  agam  a  nis,  ach 
b'  fhearr  leam  a  bhi  tuiteam  leis  na  stallachan 
a  b'  eagallaiche,  no  bhi  air  mo  ruagadh  fad 
na  h-oidhche  le  tairbh  Bhasain,  seach  a  bhi 
faicinn  earball  na  h-uilbheist  ud,  earball  an 
Diplodocuis. 


FACAL  NEONACH. 

An  deidh  dha  Betel  fhagail  chum  lacob  air 
gus  an  do  rainig  e  tir  a  dhaoine  anns  an 
aird  an  Ear.  Agus  an  sin  aig  an  tobar, 
agus     i     a'     toirt      dibhe      do     threud     a 


h-athair,  thachair  Rachel  nighean  brath- 
ar  a  mhathar  air,  agus  phog  lacoh 
Rachdl,  agus  thog  e  suas  a  ghuth,  agus 
ghuil  e.  Bha  e  nadurra  gu  leoir  dha  a  bhana. 
charaid  a  phogadh,  ged  nach  fhaca  e  i  riamh 
roimhe,  ach  c'ar  son  air  an  t-saoghal  a  chaidh 
e  a  chaoineadh  ?  Shaoileadh  tu  gur  e  sin  an 
rud  mu  dheireadh  a  bheireadh  pogadh  na 
caileig  air  a  dheanamh,  agus  nach  robh  e 
sioghalta  dha  deoir  a  shileadh  an  deidh  na 
poige,  an  lathair  Rachel  co-dhiu. 

Their  cuid  gur  e  moit  a  thug  air  a 
dheanamh,  agus  gu  robh  a  dheoir  co- 
ionnan  ri  gaire  is  lachanaich,  ach  tha 
an  t-ard  sgoilear  I.  G.  Eraser  ag  radh 
nach  'eil  sin  ceart,  agus  nach  robh  anns 
a'  chaoineadh  ach  fasan  a  tha  aig  moran 
chinneach  an  uair  a  bhios  iad  a'  cur  failte  air 
a    cheile.  Am  measg   threiibhan   eile   cha 

bhiodh  e  air  a  chunntas  siobhalta  do  dhuine 
gun  dol  a  chaoineadh  'na  leithid  sud  de 
shuidheachadh.  Tha  na  Maoris  ann  an  New 
Zealand  'ga  chunntas  mar  cheud  lagh  nam 
modhannan  gu'n  rachadh  duine  a  chaoineadh 
an  uair  a  tha  e  a'  failteachadh  no  a'  fagail 
beannachd  aig  a  charaid,  ach  cha  'n  'eil  an 
caoineadh  sin  a'  fasgadh  no  a'  goirteachadh 
an  cridhe  ann  an  doigh  air  bith.  Tha  e  ag 
innseadh  naigheachd  mu  mhnathan  a  bha 
air  coinneachadh  r'a  cheile,  agus  a  bha  a' 
gul  mar  gu'm  biodh  am  bas  air  creach  a 
thoirt  orra,  ach  ann  teas-meadhoin  a' 
chaoinidh,  stad  dithis  dhiubh  agus  ghlaoidh 
iad,  Cha  'n  'eil  sinn  ullamh  d'  ar  caoineadh 
fhathast,  ach  theid  sinn  agus  ni  sinn  am 
biadh  deas,  agus  an  sin  criochnaichidh  sinn 
ar  gul.  Thuirt  e  riutha  nach  robh  annta  ach 
na  cealgairean,  agus  gu'n  robh  fhios  aige 
nach  robh  dad  aca  mu  choinneamh  na  feadh- 
nach  a  bha  iad  a'  caoineadh,  ach  cha  do  rinn 
iad  ach  gaire.  Tha  a'  cheart  chleachdadh  so 
aig  na  h-Innseanaich ;  chunntadh  iad  gu'n 
robh  tair  air  a  dheanamh  orra  mur  deantadh 
am  failteachadh  le  caoineadh. 

Ged  a  b'  fheudar  do  lacob  seirbhis  a 
dheanamh  air  son  nigheanan  Labain  mu'n 
d'  fhuair  e  iad,  cha  robh  aobhar  gearain  aige, 
oir  bha  an  cleachdadh  sin  a'  dol  ann  an 
aitean  eile  cho  mhaith  ri  Haran.  A  reir 
mar  a  tha  I.  S.  Eraser  ag  innseadh,  am  measg 
threubhan  a  tha  ann  am  meadhon  nan  Inns- 
ean  deas,  tha  athair  na  h-inghinn  daonnan  a' 
faotainn  siiim  shonruichte  bho  'n  fhear  a  tha 
dol  'ga  posadh,  agus  mur  h-urrainn  e  an  t- 
suim  sin  a  phaigheadh  le  airgiod  ullamh, 
feumaidh  e  seirbhis  a  dheanamh  fad  nine 
shonruichte  air  a  son.  An  uair  a  chuireas  e 
a  steach  an  uine  sin  paighidh  a  h-athair 
cosdus  a'  phosaidh  agus  leigidh  e  leis  a 
charaid  dol  taobh  air  bith  a  thoilicheas  iad. 


Air.    n. 


1925. 


SEARMON  COMANACHAIDH. 


Cluinnidh  mi  ciod  a  their  Dia  an  Tigh- 
earna  :  bir  lahhraidh  e  sith  r'a  shluagh,  agus 
r'a  naomhaihh ;  ach  na  pilleadh  iad.  a  chum 
amaideachd.      Salm  LXXXV.   8. 

Tha  Dia  a'  labhairt  ruinn  a  ghnath  agus 
a'  labhairt  ruinn  an  iomadh  cloigh,  ach  tha 
e  a'  labhairt  ruinn  le  guthan  soluimte  an 
fliugh,  maduinn  a'  chomanachaidh.  Tha  la 
a'  chomanachaidh  'na  la  mor  agus  beann- 
aichte  am  measg  uile  Shabaidean  na  bliadh- 
ria,  agus  mar  sin  thigeadh  e  dhuinn 
gaii^m  air  ar  n-anam  agus  air  gach  ni  a  ta 
an  taobh-a-stigh  dhinn  an  Tighearna  a 
mholadh ;  an  Tighearna  Dia  a  tha  iochdmhor 
agus  grasmhor,  fad-fhulangach  agus  pailt 
ann  an  caoimhneas;  an  Tighearna  Dia  a  tha 
labhairt  sith  ris  an  t-saoghal  ann  an  crann- 
ceusaidh  a  mhic.  Thigeadh  e  dhuinn  mar  an 
ceudna  teachd  'na  lathair-san  le  h-urram 
agus  eagal  diadhaidh,  oir  tha  an  Tighearna 
naomh,  naomh,  naomh ;  tha  an  talamh  uile 
Ian  d'a.  ghloir.  Na'n  comharraicheadh  esan 
aingidheachd  c6  a  sheasadh  'na  lathair  1  Ach 
agad-sa,  a  Thighearna,  tha  maitheanas  agus 
mor-shaorsa. 

Gu'n  tugadh  an  Tighearna  dhuinn  uile 
cluasan  a  chluinneas  agus  cridheachan  a 
thuigeas,  a  chum  's  gu'n  toir  sinn  fainear  liod 
a  tha  e  ag  radh  ruinn  anns  an  t-sacramaid 
naomh  so !  Air  uairean  bidh  daoine  a' 
cluinntinn  facal  an  Tighearna  mar  nach  robh 
iad  'ga  chluinntinn,  agus  a'  laimhseachadh 
nithean  naomha  mar  nach  robh  na  nithean  sin 
naomh  idir ;  ach  cha  'n  e  sin  an  doigh  anns 
am  bu  choir  dhuinn  tighinn  gu  bord  a' 
chomanachaidh,  ach  leis  an  urnuigh  so  'n  ar 
cridheachan,  cluinnidh  mi  ciod  a  their  Dia 
an  Tighearna. 

Tha  sinn  cho  eolach  air  Facal  an  Tigh- 
earna 's  nach  'eil  e  dhuinn  ach  mar  fhuaim 
na  gaoithe,  ach  ciod  a  tha  ann  am  Facal  an 
Tighearna  ach  fios  a  tha  ar  n-Athair  neamh- 
aidh  a'  cur  a  dh'  ionnsuidh  gach  aoin 
againn,  ag  innseadh  dhuinn  gu  bheil  sinn  a' 
goirteachadh  a  ghaoil  le  ar  ^iulan  neo-dhleas- 
danach  !  Tha  sinn  cho  eolach  air  na  sacra- 
maidean  ,'s  nach  duisg  iad  ionglmadh  no 
ionndrainn  'n  ar  cridheachan  mar  a  bu  choir 
a  bhi  air  a  dhiisgadh  annta  gach  uair  a  chi 
sinn  an  t-anart  geal  sin  air  na  suidheachain 
agus  air  a'  bhord.  "  Le  eisdeachd  cluinnidh 
sibh,_agus  cha  tuig  sibh ;  agus  le  h-amharc 
chi  sibh,  ach  cha  'n  aithnich  sibh."  larra- 
maid  air  Dia  an  diugh  an  Spiorad  Naomh  a 


thoirt  duinn  a  chum  agus  gu'n  ath-bheoth- 
aich  e  'n  ar  cridheachan  faireachduinn  air 
na  nithean  priseil  a  thug  e  dhuinn  ann  an 
soisge'ul  a  mhic,  maitheanas  ar  peacaidhean, 
sith  ris  fein,  agus  dochas  na  beatha  mair- 
eannaich.  Gun  solus  an  Spioraid  Naoimh 
cha  leir  dhuinne  na  sochairean  a  tha  sruth- 
adh  o  bhas  Chriosd  a  tha  sinn  an  diugh  a' 
cuimhneachadh,  oir  is  e  an  Spiorad  Naomh 
a  mhain  as  urrainn  ar  suilean  fhos- 
gladh  agus  dearbh-shoilleireachd  a  thoirt 
duinn  mu  eifeachd  na  fala  a  chaidh  a 
dhortadh  air  Calbhari. 

A  Spioraid  Naoimh  r'ar  n-iirnuigh  eiscl, 
'S  an  tigh  so  O  clean  t^mh ; 
Tuirling  le  d'  fheartan  kvd  gu  leir, 
O  Spioraid  Dhe,  gun  dail. 

Labhraidh  an  Tighearna  sith  r'a  shluagh. 
Tha  feum  aig  uile  shluagh  an  t-saoghail  air 
sith  a  bhi  aca  ri  Dia;  sith  a  bhi  aca  'n  an 
coguis  agus  'n  an  cridhe.  Oir  ciod  an  t- 
olc  is  motha  am  beatha  a'  chinnidh-daonna? 
Nach  e  so  e,  an  oogadh  a  tha  dol  air  aghaidh 
gun  sgur  eadar  toil  na  feola  agus  toil  Dhe; 
am  mi-shuaimhneas  a  tha  ann  an  cridhe  mhic 
an  duine  an  uair  a  tha  fhios  aigq  nach  'eil 
e  a'  coimhlionadh  crio  h  araidh  a  bheatha, 
agus  nach  'eil  e  a'  toirt  umhlachd  no  gradh 
do'n  Dia  a  bu  choir  da  a  ghlorachadh  le  uile 
chridhe  agus  inntinn  agus  anam.  Tha  coguis- 
nadurra  an  duine  ag  innseadh  dha  nach  h- 
urrainn  Dia  sealltuinn  air  aingidheachd  agus 
easumhlachd  a  chloinne  ach  le  gruaim ;  ach 
tha  ^  crann-ceusaidh  Chriosd  ag  innseadh 
dhuinn  rud  nach  h-urrainn  a'  choguis 
nadurra  innseadh  ;  tha  e  ag  innseadh  nach 
'eil  ann  an  gruaim  an  Tighearna  ach  an 
t^aobh  eile  d'a   ghradh.  Ann   an   laithean 

Shephaniah  bha  daoine  ann  an  Israel  a  bha 
ag  radh,  "  Cha  dean  an  Tighearna  maith, 
cha  mho  ni  e  olc,"  mar  gu'n  abradh  iad,  cha 
dean  e  dad  air  son  dhaoine  air  thalamh.  Ach 
cha'n  e  sin  an  guth  a  tha  sinne  a'  cluinntinn 
an  diugh  anns  an  t-sacramaid  so,  nach  do 
rinn  Dia  dad  air  ar  son;  no  gu'n  d'  fhac  e 
sinn  gun  chuideachadh  an  uair  a  bha  feum 
againn  air  cuideachadh.  Tha  am  fion  agus 
an  t-aran  'n  an  samhlaidhean  air  full  ao-us 
feoil  an  t-Slanuigheir,  agus  tha  an  fhuil  sin 
fhein  'n  a  comharradh  siorruidh  air  spairn 
na  Diadhachd  as  leth  a'  chinnidh-daonna. 
Eisdibh  rig  a'  ghuth  so  a  chuala  Pol  a'  labh- 
airt r'a  anam  fein  bho  chrann-ceusaidh 
Chriosd,  "  B'e  deagh-thoil  an  Athar  gu'm 
biodh  na  h-uile  air  an  deanamh  reidh  ris 
fein  trid-san,   air    dha  sith  a  dheanamh   tre 


42 


fhuil  a  chroinn-cheusaidh-san  .  .  .  agus 
sibhse  a  bha  uair-eigin  'n  'ur  ooimhich,  agus 
'n  'ur  naimhdibh  ann  bhur  n-inntinn  a 
thaobh  dhroch  oibre,  a  nis  rinn  e  reidh  ris 
fein  ann  an  corp  fheola  fein  troimh  'n  bhas, 
a  chum  sibhse  a  chur  naomh,  agus  neo-loch- 
dach,  agus  neo-choireach  'n  a  lathair-san. " 

The  cuimhne  agaibh  ciod  a  thuirt  Eliphas 
an  Temanach  ri  lob,  "  Gabh-sa  a  nis  eolas 
air  Dia,  agus  bi  an  sith ;  mar  sin  thig  maith 
a'd'  ionnsuidh. "  Thig  maith  air  chor-eigin 
gu  daoine  an  uair  a  chuireas  iad  eolas  air 
bith  air  Dia,  ach  cha  'n  fhaigh  iad  am  maith 
as  fhearr  ann  an  Dia  mur  cuir  iad  eolas  air 
ann  an  losa  Criosd.  Tha  gu  leoir  de  dhaoine  a' 
creidsinn  ann  an  Dia  nach  'eil  a'  creidsinn 
ann  an  Criosd,  agus  nach  do  lub  an  glun 
riamh  aig  bonn  a'  cbrionn-cheusaidh.  Ach  ciod 
an  Dia  anns  a  bheil  iad  a'  creidsinn?  Dia  a 
tha  folaichte  ann  an  neul  agus  ann  an  dorch- 
adas  tiugh.  Cha  bhi  eolas  againn  air  Dia 
as  fhiach  eolas  a  radh  ris  gus  am  faic  sinn  e 
ann  an  losa  Criosd  a  mhac,  agus  gus  am  faic 
sinn  e  gu  sonruichte  air  Calbhari ;  ach  a 
cheart  cho  luath  's  a  thogas  tu  suas  do  shuil- 
ean  ri  crann  Chalbhari  nach  e  so  an  smuain 
a  leumas  'n  ad  inntinn,  Feuch  Uan  Dhe  a 
tha  toirt  air  falbh  peacaidh  an  t-soaghail  ! 
Sin  an  guth  a  tha  tighinn  thugainne  an 
diugh  bho  Fhacal  Dhe,  bho  chrann-ceusaidh 
Chriosd,  agus  bho'n  bhord  aig  a  bheil  sinn  'n 
ar  suidhe,  gu'n  do  lotadh  e  air  son  ar  pea- 
caidh-ne,  gu'n  do  bhruthadh  e  air  son  ar  n- 
aingidheachd,  gu'n  do  leagadh  air-san 
smachdachadh  ar  sith,  agus  le  a  chreuchdan- 
san  gu'n  do  shlanuicheadh  sinne. 

Tha  feum  againn  uile  air  sith,  oir  tha  a 
thrioblaid  fhein,  agus  a  chrois  fhein,  agus 
uallach  fhein,  agus  a  naire  fhein,  aig  gach 
aon  againn ;  tha  an-fhois  agvis  ionndrainn 
'n  ar  cridheachan  nach  gabh  sasuchadh  le 
rud  air  bith  anns  an  t-soaghal  so.  Ach  an  t- 
sith  a  tha  sinne  ag  iarraidh,  cha  'n  'eil  i  fada 
bhuainn,  oir  tha  i  aig  Criosd  r'a  toirt  seachad, 
agus  tha  i  aige-san  cho  pailt  's  ged  a  dh' 
oladh  an  saoghal  uile  as  an  tobar  sin  bhiodh 
e  fhathast  Ian.  "  Mo  shith  tha  mi  a'  toirt 
duibh."  Gabhaibh  esan,  a  luchd-comanach- 
aidh,  aig  fhacal  agus  bheir  e  dhuibh  ^an  rud 
a  tha  sibh  ag  iarraidh;  gheibh  sibhVfpis  do 
bhur  n-anamaibh.  Ciod  eile  a  tha.  am  facal 
creideamh  a'  ciallachadh  ach  Dia  a  ghabhail 
aig  fhacal?  Agus  ciod  eile  a  tha  an/sl-ann- 
ceusaidh  a'  ciallachadh  ach  gu'm  faodar  Dia 
a  ghabhail  aig  fhacal ;  gur  Dia  e  a  nochd  a 
ghradh  agus  a  throcair  le  a  ghniomharan  agus 
le  fhulangas. 

"  Na'd|iJ^iJ  mhise  Dia,"  arsa  Luther, 
"  agus  n^:^do  rinn  an  saoghal  orm  mar  a 
rinn  e  all"  Dia  bhualainn  mo  chas  air  agus 


bhreabainn  e  gus  an  deanainn  criomain 
dheth."  Theagamh  gu'n  deanadh  Luther 
sin,  agus  theagamh  gu'n  deanamaid  sinne  e 
cuideachd,  ach  cha  duine  Dia  gu'n  cailleadh 
e  fhaighidinn  no  gu'm  failnicheadh  a 
throcair.  "  Co  an  Dia  ann  a  ta  cosmhuil 
riut-sa,  a  mhaitheas  aingidheachd  agus  a 
ghabhas  seachad  air  easaontas  iarmaid  t- 
oighreachd ;  cha  ghleidh  thu  do  chorruich  gu 
siorruidh  do  bhrigh  gur  toigh  leat  trocair  ?" 
Sin  an  Dia  ris  a  bheil  gnothuch  againn,  Dia 
a  tha  neo-chaochlaideach  'n  a  fhaighidinn 
agus  'na  mhaitheas  agus  'na  throcair.  Ged 
a  dh'  atharraicheas  sinne  cha  'n  atharraich 
esan,  air  chor  agus  gu'm  faod  sinn  a  bhi  cho 
cinnteach  as  a  ghradh  an  uair  a  tha  e  'gar 
smachdachadh  's  a  bhitheas  sinn  an  uair  a 
thuiteas  ar  crannchur  ann  an  ionadaibh 
aoibhneach.  Co  dhiu  a  tha  e  'gar  treorachadh 
ann  an  cluainibh  glasa,  no  tha  sinn  a'  gluasad 
troimh  ghlinn  sgaile  a'  bhais  cha  ruig  smn  a 
leas  ar  sith  a  chall,  no  eagal  a  bhi  oirnn,  oir 
is  e  an  Dia  a  tha  buntainn  ruinn  a'  cheart 
Dia  a  tha  sinn  a'  faicinn  air  Calbhari,  Dia 
a  dh'  fhuiling  air  ar  son.  Co,  mata,  a  chuir- 
eadh  teagamh  ann ;  teagamh  nach  e  sith  a 
tha  e  a'  labhairt  ruinn  an  diugh? 
"  Dealaichidh  na  sleibhtean  ri  'm  bunait, 
agus  atharraichear  na  beanntan  as  an  aite, 
ach  cha  dealaich  mo  chaoimhneas  riut  sa  agus 
cha  'n  atharraichear  coimhcheangal  mo  shith, 
deir  an  Tighearna." 

Tha  fulangas  an  t-Slanuighir  a'  foillseachadh 
fior  nadur  na  Diadhachd.  Ged  nach  do  rinn 
esan  eucoir  riamh,  agus  nach  robh  cealg  'n  a 
bheul,  gidheadh  dh'  fhuiling  e  maille  ris  na 
h-eucoraich,  agus  ghiiilain  e  am  peacaidhean 
'n  a  chorp  fein  air  a'  chrann.  "  Tha  Dia  a' 
dearbhadh  a  ghraidh  dhuinne  do  bhrigh,  an 
uair  a  bha  sinn  fathast,  'n  ar  peacaich,  gu'n 
do  bhasaich  Criosd  air  ar  son."  Tha  lotan 
an  t-Slanuigheir  a'  labhairt  sithe  ris  an  t- 
saoghal  a  chionn  gu  bheil  iad  a'  toirt  dearbh- 
achd  do'n  t-saoghal  gu  bheil  co-fhaireachduin 
aig  Dia  r'a  chloinn,  agus  cumhachd  aige 
air  nithean  a  chur  ceart  a  chuir  iadsan  cearr. 
Labhraidh  e  sith  r'a  shluagh.  Ach  an  Dia  a 
tha  sinn  a'  faicinn  air  Calbhari  is  Dia  naomh 
e.  Cuimhnichibh  sin,  a  luchd-comanachaidh, 
air  eagal  gu'm  pill  sibh  a  ris  gu  amaideachd. 
Cho  fad  's  a  bhios  daoine  anns  an  fheoil  bidh 
toil  na  feola  ag  oibreachadh  an  aghaidh  lagh 
agus  toil  an  spioraid,  ach  air  a  shon  sin,  ma 
tha  daoine  air  taobh  Chriosd  ann  an  da- 
rireadh,  feumaidh  iad  comhcheangal  ur  a 
dheanamh  r'an  coguis  a  h-uile  maduinn,  nach 
pill  iad  gu  amaideachd.  Agus  ciod  a  tha  ann 
an  amaideachd  ach  ainm  boidheach  air  a' 
pheacadh,  oo  dhiii  ainm  as  boidhche  na  'm 
peacadh  fhein?     Sin  an  namhaid  air  am  feum 


43 


sinn  a  bhi  'n  ar  faicill  gun  sgur,  am  peacadh 
a  tha  gu  furasda  ag  iadhadh  umainn  anns  an 
t-saoghal,  agus  gu  sonruichte  am  peacadh  a 
tha  'n  ar  cridheachan  fhein.  "  Bithibh-se 
glan  a  ta  giulan  shoithichean  an  Tighearna.'" 
Tha  sinn  an  diugh  a'  seasamh  ann  an  ionad 
naomh  an  Tighearna,  agus  tha  e  air  iarraidh 
orra-san  a  sheasas  'na  lathair-san  an  lamhan 
a  bhi  neo-chiontach  agus  an  cridheachan  a 
bhi  glan.  "  Rannsaich  mi  a  Dhe,  agus 
aithnich  mo  chridhe  :  dearbh  mi  agus  tuig  mo 
smuaintean,  agus  amhairc  am  bheil  slighe  olc 
air  bith  annam,  agus  treoraich  mi  anns  an  t- 
slighe  shiorruidh." 

Ach  gad  tha  e  maith  do  shluagh  an  Tigh- 
earna an  cridheachan  a'  rannsachadh  air  la 
oomanachaidh  agus  sealltuinn  a  steach  annta 
fheinn,  tha  e  fada  na's  fhearr  dhaibh  =;eall- 
tuinn  suas  ri  Dia,  agus  ri  crann-ceusaidh  a 
Mhic  leis  a  bheil  e  an  diugh  a'  labhairt  ruinn 
air  mhodh  soluimte,  ag  radh,  "  Seall- 
aibh  rium-sa,  agus  bithibh  air  bhur  tearnadh, 
oir  is  mise  Dia." 

Bithibh  samhach,  agus  feithibh  le  foighid 
mhaith  ri  Dia,  ag  urnuigh  ris  'n  ur  cridh- 
eachan, air  eagal  gu'n  tachair  dhuibh  mar 
a  thachair  do  lacob,  "Gu  cinnteach  bha 
an  Tighearn  anns  an  aite  so  agus  cha  robh 
fios  agam  air."  Air  uairean  tha  Criosd  a' 
seasamh  aig  dorsan  dhaoine  agus  a'  bualadh, 
ach  tha  an  cluasan  air  am  bodhradh  le 
straighlich  an  t-saoghail  air  chor  agus  nach 
cluinn  iad  a'  ghuth  ciiiin,  agus  an  sin  feu- 
maidh  e  falbh  agus  am  fagail.  Nach  bu 
bhochd  an  gnothuch  e  na'n  tigeamaid  sinne 
an  diugh  gu  bord  an  Tighearna,  agus  na'n 
eireamaid  bhuaith  a  ris,  gun  aon  fhacal  a 
chluinntinn  o  Dhia,  gun  faireachduin  idir  a 
bhi  againn  air  a  lathaireachd,  no  gun  a 
leithid  de  ni  agus  oran-molaidh  a  bhi  'n  ar 
cridheachan  !  Bithibh      samhach,       agus 

cluinnibh  ciod  a  their  Dia  an  Tighearna ; 
ciod  a  tha  e  ag  radh  ruibh  'n  ar 
ooguis,  ach  gu  sonruichte  ciod  a  tha  e  ag  radh 
ruibh  leis  na  samhlaidhean  naomha  so  air  a' 
bhord.  Leosan  tha  e  ag  radh,  "Is  e  so  mo 
chorp-sa  a  ta  air  a  bhriseadh  air  bhur  son-sa  : 
is  e  an  cupan  so  an  coimhcheangal  nuadh  ann 
am  fhuil-sa."  Feuch  ciod  a  ghne  ghraidh  a 
thug  ar  n-Athair  dhuinne  !  Nach  ann  againn 
a  tha  an  Dia,  agus  nach  ann  againn  a  tha  an 
Slanuighear  !  Dia  agus  Slanuighear  'n  an 
aon,  oir  bha  Dia  ann  an  Criosd,  a'  deanamh 
an  t-saoghail  reidh  ris  fein.  Sin  facal  na 
sithe  a  tha  Dia  a'  labhairt  ruinne  an  diugh ; 
facal  a  tha  air  a  sheulachadh  leis  an  t-sacra- 
maid  naomh  so  leis  a  bheil  sinn  a'  cuimh- 
neachadh  as  ur  bas  an  Tighearna,  a  bha 
marbh  ach  a  dh'  eirich  a  ris  ann  an  cumh- 
achd  a  dhiadhachd,  agus  a  ta  nis  beo,  agus  a 


bhios  beo  gu  siorruidh  mar  Fhear-tagraidh  an 
lathair  Dhe  as  leth  a  shluaigh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 


Theagamh  gu'm  faca  tu,  a  leughadair, 
anns  na  paipearan-naigheachd  gu'n  d' 
fhuair  an  t-Urramach  Niall  MacPharlain, 
B.D.,  ministear  Chille-Sgumain,  litrichean 
eile  r'a  ainm  am  bliadhna,  rud  a  i-hug 
air  Seonaid  Eachainn  sgriobhadh  thugam-sa 
a  dh'  fharraid  ciod  a  bha  na  litrichean  a' 
ciallachadh.  Dh'  innis  mise  do  Sheonaid  gu'n 
d'  fhuair  e  na  litrichean  ud  bho  Oil-lhit';h 
Chillribhinn  a  chionn  gu'n  do  sgriobh  e 
paipear  mor  ionnsaichte  (bha  tri  cheud  gu 
leth  duilleag  ann)  anns  an  do  dhearbh  e  gu 
soilleir  gu  robh  Kuenen  agus  Reuchlin  agUiS 
Gesenius  agus  Wellhausen  uile  gu  leir  cearr 
anns  na  beachdan  a  bha  aca  a  thaobh  a'  bhidh 
bhlasda  a  thug  lacob  d'a  athair  Isaac.  Bha 
na  sgoilearan  mora  sin  a'  cumail  a  mach  gur 
e  feoil-buic  air  a  stodhadh,  agus  crathadh  de, 
mhin  Innseanaich  agus  de  lus  na  smalaig  oirre, 
a  thug  lacob  d'a  athair  ;  ach  anns  a'  phaipear 
ud  dhearbh  Niall  MacPharlain,  B.D. ,  cho 
soilleir  ri  creag  Ealasaid  nach  e  feoil-buic  a 
bha  ann  idir,  agus  nach  ann  air  a  stodhadh  a 
bha  i,  ach  gu'n  do  rinn  lacob  sabhsair  de 
fheoil  beathaich  d'an  ainm  An  liiigaire,  air 
a  gearradh  'n  a  criomain  bheaga  agus  air  a 
crathadh  le  min  sheagaill  is  uinnean.  Sin 
agad,  a  leughadair,  an  rud  ris  an  abrar  an 
ard-sgoilearachd,  agus  bha  Oil-thigh  Chill- 
ribhinn cho  uasal  a  Niall  MacPharlain,  B.D., 
a  chionn  gu'n  do  chuir  e  dubhan  ann  an  sron 
Gheseniuis  's  gu'n  tug  iad  dha  Q.E.D.  Rud 
gle  neonach,  thug  iacl  na  ceart  litrichean  aig 
a'  cheart  am  do  fhear  eile  a  dhearbh  cho 
soilleir  ris  an  Dubh-Hiortaich  nach  robh  a 
leithid  de  dhaoine  agus  Isaac  's  Jacob  riamh 
ann.  Sin  agad  an  ard  ard-sgoilearachd.  Ach 
bidh  a'  chlach-mhullaich  air  a  cur  air  an 
ard-sgoilearachd  as  airde  an  uair  a  bhios  am 
paipear  a  tha  agam-sa  air  na  stocan  deas, 
paipear  anns  am  bi  e  air  a  dhearbhadh  cho 
soilleir  ris  an  Sgeir-Mhoir  gur  h-ann  air 
stamagan  dhaoine  nach  robh  riamh  as  fhearr 
a  fhreagras  feoil  an  liugaire.  Bheir  sin  air 
Seumas  Moffat  a  chrios  a  theannaehadh. 

Ach  gus  am  bi  am  paipear  sin  deas  tha  rud 
no  dha  eile  a  bu  mhaith  leam  a  chiir  cearh 
agus  gu  sonruichte  so,  nach  e  an  Roimh,  n<^ 
am  Papa,  no  Nero,  no  an  Ceasar  Gearmail- 
teach,  an  t-Ana-Criosd  mu'n  do  labhair  na 
h-abstoil,  ach  am  motor-car.  Mac  an  sgrio^, 
ars'  an  t-abstol  Pol ;  c6  an  sgriosadair  eile  a 


44 


tha  coltach  ris  a'  mhotor-car  an  diugh,  oir 
bha  corr  agus  coig  mile  air  am  marbhadh 
leis  aims  an  duthaich  so  an  uiridhl  A  tha  a' 
cur  an  aghaidh  agus  ' ga  drdachadh  fein  os 
cionn  gach  ni  ris  an  ahrar  Dia,  no  da'n 
deanar  aoradh;  nach  'eil  e  cho  soilleir  ris  a' 
ghr6in  fhein  gur  e  am  motor-car  a  bha  's  an 
amharc  aig  Pol  an  uair  a  labhair  e  mar  so, 
oir  CO  an  neach  no  an  ni  a  tha  tarruing 
dhaoine  air  falbh  bho  'n  eaglais  agus  bho 
aoradh  mar  tha  esan  a'  deanamh?  Tha 
cuimhne  agam  an  uair  a  bhiodh  daoine  a  bha 
fada  bho  'n  eaglais  ag  radh  gu'n  rachadh  iad 
do'n  eaglais  na  bu  trice  na'n  robh  car  aca  ; 
fhuair  iad  car,  ach  a  nis  cha  'n  fhaicear  iad 
anns  an  eaglais  idir.  Uair-eigin  bha  urram 
aca  do'n  t-Sabaid,  ach  an  diugh  is  e  an  t- 
Sabaid  an  la  as  mi-naoimhe  a  tha  iad  a'  cur 
seachad  anns  an  t-seachduinn,  a'  teicheadh 
bho  lathaireachd  an  Tighearna  cho  luath  's  a 
leigeas  an  cuibhlichean  leo,  agus  fada  na's 
luaithe  na  theich  lonah  anns  an  luing. 

Cha  ruigear  a  leas  a  radh  gu  bheil  na 
daoine  beartach  na's  ain-diadhaidhe  na  na 
daoine  bochda.  Tha  uaislean  agus  islean  col- 
tach r'a  cheile  anns  a'  chuis  so.  Tha  a' 
cheart  uiread  de  luchd-oibre  air  an  rathad  an 
diugh  ann  an  caraichean  's  a  tha  ann  de 
dhaoine  saoibhir ;  cha  'n  'eil  de  mhughadh 
eatorra  ach  gu  bheil  na  daoine  saoibhir  ann 
an  caraichean  as  fhearr.  Ach  co  dhiu  a  tha 
iad  bochd  no  beartach,  co  dhiu  a  tha  annta 
tighearnan-fearainn  no  treabhaichean,  a 
cheart  cho  luath  's  a  gheibh  iad  car  faodar 
an  aireamh  am  measg  naimhdean  na  Sabaid. 
Cha  bu  mhaith  leam  a  radh  gu'm  faodar  an 
aireamh  am  measg  naimhdean  an  t-soisgeil, 
ach  gle  bhitheanta  sin  a  thig  e  thuige  air  a' 
oheann  mu  deireadh.  Cha  'n  'eil  namhaid 
eile  aig  an  t-Sabaid  agus  an  eaglais  an  diugh 
cho  sgriosail  ris  a'  mhotor-car.  Tha  e  a' 
falamhachadh  eaglaisean  agus  a'  milleadh 
slth  na  Sabaid;  nach  e  sin  obair  an  Ana- 
Criosd  ? 

*  -X-  *  *  *  * 

Tha  ceithir-la-deug  agus  an  corr  bho 
sgriobh  mi  na  tha  cheana  air  an  duilleig  so; 
ann  an  ceithir-la-deug  fuaraichidh  an  cal  as 
teotha.  Cha  bhiodh  agam-sa  ach  cal  fuar  ga 
ath-teothadh  na'n  toisichinn  a  nis  air  an 
t-seanchas  d'  an  do  sguir  mi  o  chionn  ceithir- 
la-deug;  mar  sin  leigidh  mi  an  siubhal  le 
luchd  nan  caraichean.  Is  beag  m'  fharmad 
riu ;  is  fhearr  leam  aon  uair  an  uaireadair  a' 
sraideamachd  anns  a'  Choille  Bheithe  na 
latha  fada  samhraidh  'nam  shuidhe  ann  an 
car.  An  diugh  fhein  tha  a'  Choille  Bheithe 
mar  gu'm  biodh  Paras  Dhe ;  cha  robh  righ  no 
banrigh  riamh  anns  an  aird  an  ear  air  an 
sgeadachadh  le  falluinnean  cho  maiseach  's  h 


tha  air  a'  bheithe,  agus  air  a'  chaorunn,  agus 
air  an  t-siris  an  drasd.  An  uair  a  bhuaileas 
gathan  na  greine  iad  tha  iad  a'  lasadh  mar 
theine  oir,  coltach  ris  a'  phreas  a  chunnaic 
Maois  ann  am  Midian. 

Chuir  mi  seachad  greis  de'n  latha 
anns  a'  Choille  Bheithe  leam  fhein,  ach  cha  b' 
ann  idir  air  a'  phaipeir  a  tha  mi  dol  a 
sgriobhadh  mu'n  Litigaire  a  bha  mi  a' 
smuaineachadh,  ach  air  searmon  a  bu  mhaith 
leam  a  thoirt  do  choimhthional  beag  de 
chiobairean  agus  de  gheamairean  mu 
Mhorachd  Dhe  agus  mu  ionghnaidhean  a' 
chruthachaidh.  Na'n  robh  barrachd  eolais 
agam  's  a  tha  agam,  labhrainn  ri  daoine  air 
na  nithean  sin  na's  trice  na  tha  mi  a'  dean- 
amh,  oir  mar  is  sinne  tha  mi  a'  fas  is  ann  as 
rao  a  tha  mi  faicinn  nach  'eil  rud  eile  air  an 
t-saoghal  as  luaithe  a  chuireas  daoine  air  an 
gliiinean  an  lathair  an  Tighearna  na  fair- 
eachduin  a  bhi  aca  air  a  mhorachd  agus  a 
ghliocas.  Agus  an  uair  a  theid  duine  air  a 
ghluinean,  ciod  air  bith  a  chuireas  ann  e, 
tha  e  anns  an  t-suidheachadh  anns  an  coir 
do  mhac  an  duine  a  bhith  ann  an  lathair  Dhe. 

Ciod  air  bith  an  aird  de  na  speuran  anns 
an  seall  sinn  tha  na  neamhan  a'  cur  an  ceili 
gloir  an  Tighearna.  Tha  na  neamhan  gun 
cheann,  gun  chrich.  Ged  a  shiubhladh  tu  air 
sgiathaibh  na  maidne,  seachad  air  na  mlltean 
saoghal  a  tha  gluasad  troimh  'n  fhar.suin- 
geachd  neo-chriochnach,  agus  ged  leanadh  tu 
ort  na  muilleanan  bliadhna,  cha  bhiodh  tu  na 
bu  dluithe  do  chrloch  do  thuruis. 

C6  chuartaicheas  do  bhith  a  Dhe  ! 
An  Doimhne  shluig  gach  reusan  suas ; 
'Nan  oidhirpibh  tha  aingle  's  daoin'. 
Mar  shligean  maoraich  'glacadh  chuain. 

Tha  eanchainn  seangain,  ged  is  beag  e, 
mile  uair  na's  iongantaiche  agus  na's  inn- 
leachdaiche  air  a  dhealbh  na'n  acfhuinn  as 
finealta  a  rinn  lamhan  mhic  an  duine  riamh ; 
tha  suilean  na  cuileig  as  lugha  na's  mior- 
bhuiliche  na  uile  oibrichean  Mharconi.  Ged 
a  chuireadh  luchd-ealain  an  t-saoghail  agus 
sgoilearan-mora  an  t-saoghail  an  cinn  r'a 
cheile  gus  am  biodh  an  ciabhagan  geal  is  tana, 
cha  b'  urrainn  daibh  toirt  air  fas  aon 
bhileag  fheoir,  no  air  aon  ghas  eorna,  as 
eugmhais  Dhe.  Faodaidh  sinne  cur  a  dhean- 
amh,  agus  an  rud  a  chuir  sinn  uisgeachadh, 
ach  is  e  Dia  a  mhain  a  bheir  fas.  A  dh' 
aindeoin  gach  adhartais  a  thainig  air  an 
tuathanachd  agus  air  oibreachadh  a' 
ghruinnd,  agus  a  dh'  aindeoin  nan  innealan 
lira  a  tha  aig  daoine  an  diugh  gus  an  talamh 
a  chiosnachadh,  tha  sinn  an  urra  ri  Dia  air 
son  ar  loin  anns  an  linn  so  mar  a  bha  IvTaois 
agus  Abraham  agus  na  h-aithrichean  eile  a 
bha  beo  ann  an  og-mhaduinn  an  t-saoghail. 


Air.     12. 


1925. 


MAR    EIRIC  AIR    SON   MHORAN. 

(Searmon-comanachaidh     le    Alastaik 
Mac  Ille  Bhain,  D.D.,  nacu  maireann.; 

■'  A  thoirt  a  hhratha  mar  eiric  air  son 
mJidran.'' — Mata.    XX.    28. 

Thigeamaid  dliith  do  ar  Tigheania  an 
diugh  agus  rachamaid  niaille  ris  gu  leru- 
saleiii,  far  am  bheil  e  a'  dol  a  choimhead 
na  Caisge  air  son  na  li-uaire  deireannaich. 
Agus  fanamaid  maille  ris  gus  am  faic  sinn  a' 
chrioch  ;  gus  am  faic  sinn  e  a'  toirfc  a  bheatha 
mar  eiric  air  son  mhoran.  Agus  an  uair  a 
chi  sinn  a'  chrioch.  abramaid  uile  ruinn  fein 
mar  a  thuirt  Pol  ris  fhein,  "  Ghradhaich  e 
mi  agus  thug  e  e-fein  air  mo  shon." 

Cha  bu  luaithe  a  chaidh  ar  Tighearna  a 
isteach  do  lerusalem  toiseach  na  seachduin 
ud  na  thoisicii  e  air  a  blieatha  a  thoirt 
seaohad.  Cho  fhad  agus  nach  tainig  uair 
fhathast,  bha  ciiram-  aig  ar  Tighearna  d'a 
bheatha,  oir  bha  a  bheatha-san  luachmhor  os 
cionia  gach  beatha  eile  air  an  talamh.  Ach 
a  nis,  an  uair  a  blia  obair  a  bheatha  crioch- 
naichte,  thoisich  e  gu  toileach  air  a  bheatha 
a  thoirt  seachad  ;  a'  searmonachadh  fad  an 
latha  agus  ag  iunuigh  fad  na  h-oidhche. 
Agus  b'e  sin  na  searmoin  agus  b'e  sin  na 
h-iirnuighean  !  Duine  air  bith  a  liubhair  na 
searmoin  a  dh'  fhaodas  sibh  a  leughadh  ann 
an  deireadh  an  t-soisgeil  so,  agus  sgriobli- 
aichean  is  Phairisaich  'g  a  eisdeachd,  nach 
maith  a  bha  fhios  aige  gu'n  robh  e  a'  seulach- 
adh  binn  a  bhais  !  Is  an-aoihhinn  dhuibh,  a 
sgriohhaichean  agus  Phairiseacha,  a  cheal- 
gairean !  An-aoihhinn,  an-aoihhinn,  an- 
aoihhinn,  a  shiol  nan  nathraiche-nimh  e 
Ach  mar  nach  bu  leoir  idir  na  bha  e  a' 
dortadh  a  macli  d'a  bheatha  anns  an  team- 
pull  fad  an  la  bha  e  a'  dortadh  a  mach  anama 
fad  na  h-oidhche  ann  an  iirnuigh  air  sliabh 
nan  crann-oladh.  Leis  na  searmoin  agus 
leis  na  h-iirnuighean  sin  thug  e  h'wic  air  son 
mhoran,  ach  gu  sonruichte  thug  e  eiric  air 
son  mhinistearan  leasg  gun  eud,  ministearan 
a  bheir  d'an  coimhthionailean  am  port  is 
maith  leo,  agus  ministearan  a  tha  cho 
leasg  's  nach  caill  iad  uair  de'n  cadal  air 
ghaol    searmon    no    iirnuigh    a    dheanamh. 

"  An  sin  thai  nig  losa  maille  riu  gu  ionad 
d'  an  goirear  Getsemane,  agus  thubhairt  e 
ris  na  deisciobuil,  suidhibh-sa  an  so  gus  an 
tt'id  mise  a  dheanamh  iirnuigh  an  sud." 
Thagh    e    aite-suidhe    do    na    deisciobuil,    an 


t-aite-suidhe  a  b'  fhearr  agus  a  bu  sheas- 
garra  anns  a'  ghanadh,  agus  dh'  iarr  e 
orra  faire  a  dheanamh  agus  cumail  dliith  d'a 
clicile.  Ach  m'an  deachaidh  e  fada  bhuapa 
thuit    iad    'n    an   suain    chadail.  Cha  do 

chaidil  e  fein  fad  seachduin;  oidhche  an 
deidh  oidhche  ghleachd  e  ann  an  iirnuigh 
anns  an  aon  aite,  gus  am  b'  aithne  do  ludas 
an  t-aite  cho  mhaith  's  a  b'  aithne  dha 
a  rathad  do'n  teampull.  "  0  na  doimhneach- 
dan  ghlaodh  mi  riut  a  Thighearna  ;  a  broinn 
na  h-uaighe  ghlaodh  mi,  agus  thubhairt  mi, 
Dh'  iadh  na  h-uisgeachan  mu  m'  thimchioll, 
eadhon  gu  ruig  an  t-anam,  bha  mo  cheann 
air  a  ribeadh  anns  an  fheamainn. "  Agus 
air  dha  bhi  ann  an  cruaidh-ghleachd  anama, 
rinn  e  urnuigh  na  bu  diirachdaiche  :  agus 
bha  fhallus  mar  bhraonaibh  mora  fola  a' 
tuiteam  gu  lar.  Ciod  a  bu  chiall  do'n 
ghleachd  anama  ud  ach  gu'n  do  leag  an 
Tighea/rna  airsan  aingidheachd  gach  a-oin 
dinn?  Tha  fhios  aig  gaoh  anam  saorta  ciod 
a  ,bu  chiall  do  na  braonaibh  fola.  Their 
gach  anam  saorta.  Is  e  mo  chuijan-sa  a  dh' 
ol  e,  an  cupan  a  lion  mise  le  domblas  a' 
pheacaidh.  Cha  b'  ionghnadh  ged  a  bha 
fhallus-san  mar  fhuil  an  uair  a  dh'  61  e  an 
cupan  searbh  ud,  cupan  anns  an  robh  tuaras- 
dal  mo  pheacaidhean-sa,  agus  a  bha  air  a 
lionadh  le  fion  dearg  corruich  an  Tighearna 
a'm'  aghaidh.  An  uair  a  dh'  eirich  e  bharr 
a  ghluinean,  agus  a  thainig  e  far  an  robh 
na  deisciobuil,  bha  na  deisciobuil  'n  an 
cadal.  0,  mo,  naire;  mo  naire ;  sihhse  'n 
'ur  cadal  agus  esan  a'  saltairt  an  amair  'n  a 
abnar ! 

An  do  bhuin  aon  agaibh  riamh  gu  cealgach 
I'i  caraid?  An  do  rug  sibh  air  laimh  air, 
ag  radh  failte  is  furan,  agus  fad  na  h-uine 
an  sgian  fo  'ur  cleoca,  gus  a  cur  ann?  An 
deachaidh  fuath,  is  farmad,  i&  naimhdeas,  is 
deamhain  eile  de'n  t-seorsa  sin  a  steach  'n 
ad  chridhe,  a  dhuine,  gus  nach  mor  nach 
deachaidh  tu  a  mach  agus  nach  do  chroch  thu 
thu  fhein,  leis  an  oillt  a  ghabh  thu  roimh 
do  chridhe  salach?  Is  tusa,  mata,  an  duine 
a  shaor  losa  Criosd  blio'n  chroich  agus  bho 
ifreann  an  uair  a  thug  e  a  ghruaidh  do 
ludas,  a  chum  a  ghruaidh  a  phogadh.  Is 
ann  air  do  shon-sa  agus  air  son  do  leithidean 
a  leig  losa  le  Mac  an  sgrios  a  phogadh. 
"  Cha  bu  namhaid  a  thug  masladh  dhomh, 
no  dh'  fhuilghinn  e;  cha  b'e  fear  le'm  b' 
fhuathach   mi    a    dh'    ardaich    e    fein    a'm' 


46 


aghaidh,  no  dh'  fholaichinn  mi  fein  uaith  ; 
ach  thusa  !  fear  bu  choimpire  dliomli  i'eiii, 
fear  m'  iuil,  agU8  fear  m'  eolais ;  le  clicile 
ghabh  sinn  comhairle  bhlasta ;  gu  tigh  Dhe 
dh'  imich  sinn  cuideachd ;  eadhon  fear  mo 
shith,  as  an  d'  earb  mi,  esan  a  dh'  ith  de 
m'  ai'an,  thog  e  a  shail  a'rn'  aghaidh." 
"Oir  bha  sinne  fein  uair-eigin  eu-ceillidli  agus 
eas-mnhail,  a'  caitheamh  ar  beatha  ann  am 
ml-run,  agus  am  farmad,  fualh-thoilltean- 
nach  agus  a'  toirt  fuath  d'a  cheile,  ach  an 
u'air  a  dh'  fhoillsicheadh  caoiuihneas  agus 
gradh  Dhe  ar  Slanuighir  do  dhaoine — cha 
'n.  ann  o  oibribh  fircantachd  a  rinn  sinne, 
ach  a  reir  a  throcair  fein  shaor  e  sinn,  tre 
ionnlad  na  h-athghineamhuin,  agus  ath- 
nuadhachadh  an  Spioi'aid  Naoimh,  a  dlioirt 
e  oirnne  gu  saoibhir,  tj-e  losa  Crinsd  ar 
Slanuighear ;  chum  air  dhuinn  bhi  air  ar 
fireanachadh  tre  a  ghras-san,  gu'm  bitheam- 
aid  air  ar  deanamh  'nar  n-oiglireachaibh  a 
reir  dochais  na  beatha  maireannaich." 

"  An  sin  rug  a'  bhuidheann,  agus  an 
ceannard,  agus  maoir  nan  ludhach  air  losa, 
agus  cheangail  iad  e. "  Bha  fhios  aig  ludas 
gu  maith  nach  robh  e  an  run  losa  feuchainn 
ri  teicheadh  ;  bha  fhios  aige  gu'n  rachadh  e 
leo  mar  uan  a  chum  a  chasgraidh  agus  nach 
fhosgiadh  e  a  bheul,  ach  sibhse,  a  mhaoir 
agus  a  cheannardan,  ciamar  a  bhiodh  fhios 
agaibh-se  gu'n  robh  an  neach  naomh  so  eu- 
coltach  ris  gach  duine  eile  a  cheangail  sibh, 
agus  gu'n  rachadh  a  leibh  gu  toileach?  An 
CAiala  sibh  sibh  riamh  iomradh  air  hainuvn 
graidhi  Mur  cuala,  faicibh  iad  a  nis.  Is 
e  bannan  a  ghraidh  a  tha  toirt  air  an  neach 
naomh  so  gluasad  cho  ii'iosal  agus  cho  seimh 
maille  ruibh.  0  a  cheannardan  !  a  chean- 
nardan !  Na'n  robh  fhios  agaibh  c6  a  tha 
sibh  a'  tarruing  do'n  bhaile  a  nochd  mar 
fhear-reubainn  !  Ach  tha  sin    air  fholach 

oirbh.  0  ludais,  ludais,  ciod  a  tha  thusa 
ag  radh  ?  Ciod  na  smuaintean  diomhair  a 
tha  'n  ad  chridhe-sa  a  nochd  !  Innis  dhuinn, 
a  duine  thruaigh  ;  innis  dhuinn.  0,  nach 
b'  fhearr  dhomh  nach  do  rugadh  riamh  mi  ! 

"  Agus  air  do  na  deisciobuil  uile  a  threig- 
sinn,  theich  iad.  Ach  lean  Peadar  e  fada 
uatha,  agus  chaidh  e  steach,  agus  shuidh  e 
maille  ris  na  seirbhisich,  a  dh'  fhaicinn  na 
criche."  An  do  thionndaidh  thu  riamh,  a 
dhuine,  do  chul  air  caraid?  An  d'  fhan 
thu  'n  a'd'  thosd  agus  thu  'g  a  chluinntinn 
air  a  chul-chaineadh,  agus  air  a  dhiteadh  le 
f ianuisean-breige  ?  An  do  shuidh  thu  riamh 
aig  teine  cuid-eigin,  no  aig  bord  cuid-eigin, 
ag  eisdeachd  ri  breugan  is  droch-thuaileas 
air  an  togail  air  do  charaid  air  a  chul,  agus 
gun  de  dhilseachd  no  de  dhuinealas  annad 
na  sheasadh  e?  Air  sgath  a'  bhidh  mhaith 
a  bha  thu  ag  itheadh,  agus  a.ir  sgath  na  dibhe 


a  bha  thu  ag  61,  shuidh  thu  aig  a'  bhord, 
a'  caogadh  do  shixla  is  a'  gogail  do  chinn,  a 
ghealtair  thruaigh,  agus  da  charaid  air  a 
leon   am    measg   a   chairdean.  Fosgail    do 

shiiilean  agus  seall  air  so,  a  ghealtair 
shaorta ;  seall  air  an  eiric  a  thugadh  air  do 
shon,  agus  air  son  do  ghealtachd — losa 
Criosd  ann  an  lamhan  nan  eucorach,  agus  fo 
theangaidhean  rjan  eucorach,  agus  Peadar, 
a  charaid  taghta,  a"  mionnachadh  nach  b' 
aithne  dha  riamh  e.  Seall !  Seall  !  a 
dhuine  !  "Cha  'n  aithne  dhomh  an  duine," 
arsa   Peadar.  Sin   an   saighead   a   chaidh 

troimh  chridhe  losa,  guth  Pheadair  a' 
glaodhach,  "  cha  'n  aithne  dhomh  e. " 

An  cuala  tu  riamh  am  facal  so,  ifreann 
air  a  leigeil  mu  sgaoill  Ma  bu  mhaith  leat 
ifreann  fhaicinn  mu  sgaoil,  tiugainn  gu  talla 
Chaiaphais  oidhche  na  Cai.sge,  agus  seall  air 
an  toibheum  a  tha  dol  air  aghaidh  an  sin. 
"  Thilg  iad  smugaid  'n  a  aodann,  agus 
bhuail  iad  le  'm  basaibh  e,  ag  radh.  Dean 
faidheadaireachd  dhuinn,  a  Chriosd,  c6  a 
bhuail  thu?  Agus  riiisg  iad  e,  agus  chuir 
iad' uime  falluinn  sgarlaid,  agus  criin-droigh- 
inn  air  a.  cheann,  agus  slat  'n  a  laimh,  agus 
air  dhaibh  an  glitn  a  liibadh  dha  gu  magail, 
thubhairt  iad.  Failte  ort,  a  Righ  nan  ludh- 
ach. An  uair  a  chunnaic  na  h-ard-shagairt 
agus  na  maoir  e  ghlaodh  iad,  ag  radh,  Ceus 
e,  Ceus  e.  Agus  cheus  iad,  e  maille  ri  da 
fhear-reubainn,  fear  dhiubh  air  gach  taobh 
dheth,  agus  losa  anns  a'  mheadhon."  Agus 
am  feadh  's  a  bha  na  nithean  uamhasach  sin 
a'  tachairt,  bha  Dia  neimh  agus  na  talm- 
hainn  'n  a  thosd  ;  Dia  agus  athair  ar  Tigh- 
earna  losa  Criosd — bha  e  'n  a  thosd,  ged 
bha  e  a'  faicinn  agus  a  cluinntinn  amhghar 
agus  masladh  a  Mhic.  C  ar  son  a  bha  Dia 
'na  thosd?  Bha,  a  chionn  gur  e  fein  a  dh' 
orduich  agus  a  dh'  ullaich  an  amhghar  agus 
am  masladh  ud  d'a  Mhac,  a  chum  gu'n 
cuireadh  e  as  an  rathad  gu  brath  cionta  agus 
grainealachd  agus  mallachd  a'  pheacaiilh. 
vSin  agad  an  t-aobhar  gu'n  robh  Dia  'n  a 
thosd.  0  !  uamhas  a'  pheacaidh  agus  grain- 
ealachd a'    pheacaidh   an  lathair   neimh  ! 

Thusa  a  tha  'n  a'd'  shuidhe  aig  bord  a' 
chomanachaidh  an  diugh,  aem  faca  tu  riamh 
olcas  agus  grainealeachd  do  chridhe  fein  ? 
Ma  chunnaic,  bidh  e  'na  ionghnadh  dhuit  c' 
ar  son  nach  eile  daoine  eile  a'  tilgeil  smugaid 
ort ;  ort-sa  aig  a  bhail  cridhe  cho  dubailte, 
agus  cho  cealgach,  agus  cho  guineach,  agus 
cho  farmadach,  agus  cho  salach,  ri  ifreann 
fhein  agus  ris  na  deamhain  fhein.  Ma  thug 
Dia  sealladh  dhuit  air  do  chridhe  fhein, 
tuigidh  tu  c'  ar  son  a  bha  smugaidean  air  an 
tilgeil  anns  an  aodann  naomh  an  oidhche 
ud.  Ach  mur  leagh  sin  do  chridhe,  thig  learn 
gu   Calbhari,    agus   faic   an  neach  naomh  so 


aiv  a  thogail  suas  air  a'  chrann  mhallaichte 
air  do  slion-sa ;  fheoil  air  a  reubadli  agus  a 
chnanihan  air  am  bruthadh,  gus  an  do  sgain 
iad  uile  o  cheile.  Ach  cha   chualas  o  na 

bilean  naomh  ach  so,  "  Atliair  thoir  maith- 
eanas  dhaibh,  oir  cha  'n'  eil  fhios  aca  ciod 
a  tha-  iad  a'  deanamh. "  Cha  robh  fhios  aca- 
sau,  acli  tha  fhios  agad-sa  agus  aig  gach  duine 
eile  d'  an  aithne  e  fein  mar  cheann-feadlma 
nam  peacach.  Och  nach  b'  uisge  mo  cheanii, 
agus  nach  bu  tobar  dheur  mo  shiiilean  a  chum 
gu'n  guilinn  a  la  agus  a  dh'  oidhche  ann  an 
comi^anas  mo  slilanuighir   'n  a  fhulangas  ! 

Ach  a  thaol)h  bas  ar  Tighearna  cha  lobh 
eadhon  ann  an  amhghai-  Ghetsemane  agu.s 
anns  an  tair  a  rinneaclh  air  ann  an  talla 
Chaiaphais  agus  air  beulaobh  Philait  agus 
Hei'oid, — cha  robh  annta  ach  mar  gu'm  Ijiodli 
a'  chuirt-a-mach  d'a  fhiosrachadli  agus  d'a 
fhulangas.  B'e  C'albhari  an  t-ionad  ro- 
naomh,  agus  an  crann-ceusaidh  aite  na 
h-altarach,  agus  b'  ann  mu'n  t-seathamh  uair 
a  thoisich  an  iobairt  a  blii  air  a.  tairgsinn 
'na  h-iomlanachd.  "  Agus  bha  dorchadas 

air  an  tir  uile  gus  an  naoieamh  uair."  Ged 
labhrainn  le  teangaibh  dhaoine  agus  aingeal 
cha  b'  urrainn  mi  innseadh  dhuibh  ciod  a 
dh'  fhuiling  losa  'n  a  chorp  agus  'n  a.anam 
fad  nan  tii  uairean  dorcha  sin.  Tha  e  os 
cionn  ar  tuigse.  Ach  aig  an  naoieamh  uaii', 
ghlaodh  e  le  guth  ard,  "  Mo  Dhia,  mo  Dhia, 
c'  ar  son  a  threig  thu  mi?  Agus  beagan  'n 
a  dheidh  sin  ghlaodh  e,  "Tha  e  crioch- 
naichte"  ;  agus  air  dha  an  obair  a  thug 
Athaii-  dha  a  chriochnachadh,  chrom  e  a 
cheann  agus  thug  e  suas  an  deo. 

"  x4.n  sin  an  deidh  dha  fhalluinn  a  ghab- 
hail,  agus  suidhe  a  ris,  thubhairt  e  riu,  a 
bheil  fhios  agaibh  ciod  a  rinn  mi  dhuibh  T' 
Tha,  a  Thighearna,  tha  fhios  againn ;  tha 
fhios  againn  gu'n  do  ghradhaich  thu  sinn 
le  gradh  siori-uidh,  agus  gu'n  tug  thu  do 
bheatha  mar  ciric  air  ar  son. 


ANNS  A  CHATI-IAIR. 

Bha  famhairean  air  an  talamh  anns  na 
laithibh  sin,  na  laithean  anns  an  robh  mise 
anns  an  Oilthigh  an  Duneideann.  Agus  b'e 
fear  de  na  famhairean  an  t-OUamh  Mac  lUe 
Bhain,  am  fear  mu  dheireadh  de  na  fior 
fhaidhean  an  Albainn.  Air  an  t-seachduin 
so  chaidh  bha  mi  a'  leughadh  an  leabhair 
anns  an  do  sgrlobh  a  charaid  6g,  G.  F.  Bar- 
bour, eachdraidh-beatha  an  t-searmonaiche 
so;  an  uair  a  bha  mi  'ga  leughadh  thainig 
iomadh  cuimhneachan  air  ais  thupam,  air 
chor  agus  gu'n  robh  mi  mar  gu'm  bithinn 
a'  cluinntinn  a  ghutha  agus  a'  faicinn  aod- 
ainn  a  ris,  mar  a  b'  abhaist  dhomh  a  chluinn- 


tinn  air  feasgair  Shabaid  anns  a'  chiibaid. 
Bha  coslas  agus  cumhachd  na  diadhaidheachd 
"na  aodann. 

Anns  an  aireandi  so  tha  mi  dol  a  chur 
comain  ort,  a  leughadair,  le  fear  de  shear- 
moin  an  Ollaimh  Mhic  Tile  Bhain  a  thoii't 
duit,  ged  a  chuireas  sin  saothair  as  motha 
orm  na  chreideas  tu,  oir  cha  'n'  eil  e  idir 
fuiasda  an  seorsa  shearmon  a  bhiodh  esan  a 
liubhairt  am  Beurla  a  thionndadh  gu  Gaidh- 
lig.  Ach  is  fhiach  iad  dragh  a  ghabhail  riu, 
oir  bha  bi'igh  is  beatha  is  iliadhaidheachd 
annta  daonnan  ;  smior  a'  chruithneachd. 
Ach  bu  mhaith  leani  beagan  seanchais  mu'n 
duine  fhein  a  dheanamh  riut  cuideachd  ;  ar 
larnhan  a  bhlathachadh  aig  a  theine. 

"/.<-■  brt//(i-ij//ii(/'(/Iistir  ciidnihor  a'  chiibaid; 
cha  'n  fliiiiliiKj  i  acli  duine  a  bheir  did  a 
ghaol  sldn.'^  Sin  facal  a  labhair  an  t- 
OUamh  Mac  lUe  Bhain  uair-eigin  ri  minis- 
tearan  oga,  agus  cha  robh  ministear  eile  an 
Albainn  'n  a  linn  a  thug  gaol  cho  slan  do'n 
chubaid  's  a  tliug  e  fhein,  mo  ministear  eile 
a  choisrig  uile  bhuatlhan  a  chuirp,  agus  a 
chinn,  agus  a  chridhe,  do  shearmonachadh, 
mar  a  rinn  e.  Agus  bha  a'  bhuil  ;  b'  fhiach 
a  shearmoin  eisdeachd  riu  :  bha  iad  mar 
fhacal  an  Tighearna  fein,  "  beo  agus  cum- 
hachdach,  agus  na's  geii-e  na  claidheamh  da- 
fhoabhair  air  bith,  a'  ruigheachd  eadhon 
chum  eadar-sgaraidh  an  anama  agus  an 
spioraid,  agu.s  nan  all  agus  nan  smeai-,  agus 
a'  toirt  breith  air  suiuiuintibh  agus  riiintibh 
a  chridhe." 

An  uair  a  bha  e  fhein  agus  an  t-Ollamh 
Iain  Kelman  comhla  anns  an  aon  eaglais, 
bhiodh  cuid  ag  radh  gu'm  biodh  an  dara  fear 
dhiubh  a'  seasamh  nam  peacach  agus  a  gab- 
hail  an  lethsgeil,  agus  am  fear  eile  a'  smad- 
adh  nan  naomh  agus  'gan  diteadh.  An  uair 
a  ghabhadh  an  t-OUamh  Mac  Ille  Bhain  coin- 
neal  na  Fir  inn  agus  a  rachadh  e  a  steach  d'a 
chridhe  fhein  agus  do  chridheachan  a  luchd- 
eisdeachd  a  i-annsachadh  a  mach  nan  aoid- 
hean  ain-(hadhaidh  a  bhios  a'  comhnuidh, 
anils  a'  chridhe,  b'  ion  duit  eagal  a  ghabhail 
agus  ball-chrith.  Bha  e  a'  faireachduinn 
gu'n  do  leag  Dia  air  mar  dhleasdanas 
dearbhachd  a  thoii-t  d'aghineil  mu  pheacadh, 
agus  )iiu  fhireantachd,  agus  mu  bhreitheanas. 
Sin  na  nithean  air  am  biodh  e  daonnan  a' 
labhairt ;  naomhachd  Dhe,  dlomhaii'eachd  is 
aingidheachd  cridhe  mhic  an  duine,  am  feum 
a  tha  aig  daoine  air  a  bhi  buanachadh  ann 
an  urnuigh,  agus  a'  smachdachadh  toil 
na  feola.  Bha  fhios  aige  nach  robh  e  a'  cor- 
dadh  ri  cuid  d'a  choimhthional  e  bhi  daon- 
nan a'  bruidhinn  mu'n  pheacadh,  no  e  bhi 
bruidhinn  uime  fein  agus  mu  na  naoimh 
mai-  nach  robli  annta  ach  coin  no  cnuimhean 
na  talmhainn.      Aon  samhradh    a  bha  e  ann 


48 


am  Baile-Mac-Ara  ghleachd  e  ris  a'  cheist  so 
mar  a  ghleachd  lacob  ris  an  aingeal,  anu  an 
teagaiiih  co  dhiu  a  bu  choir  da  leautuinn  aii' 
mar  a  bha  e  a'  deanamh,  no  bu  choir  da  anns 
a'  chuid  sin  d'a  mhinistrealachd  a  bha  air 
thoiseacli  air  an  tuilleadh  cudthroim  a  chnr 
air  cuiridhean  grasmhor  an  t-soisgeil.  A' 
cheud  seaimon  a  thug  e  seachad  an  deidh  dha 
dol  air  ais,  labhair  e  uime  so,  agus  dh'  innis 
e  gu'n  robh  e  greis  ann  an  iom-chomhairle, 
ach,  ars'  esan, 

"  Thainig  guth  thugam  a  labhair  ri  mo 

choguis  le  ughdarras  bho  neamh,  ag  radh, 

Na   stad  thusa,   agiis   na   ceil  thusa  ciod  e 

tuarasdal     a'     pheacaidli.        Rach     air     t' 

aghaidh  agus  na  meataich.      (rlaodh  gu  h- 

ard  agus  na  biodh  eagal  ort;  crlochnaich  an 

obair     a     thvigadh     dhuit     ri     dheanamh. 

Thoir  orra  iad  fhein  fhaicinn  ann  an  lagh 

naomh  an  Tighearna,  mar  ann  an  gloine. 

Dean  sin  gun  fhiamh,  oir  mur  dean  thusa 

e,  cha  dean  duine  eile  e ;  co  an  duine  eile  a 

chuireadh      eliu      agus      soirbheachadh      a 

mhinistrealachd  an  cunnart?        Ach  coma 

leatsa  cliii  do  shearmonachaidh  ;  }-ach  thusa 

air  t'  ais  agus  innis  do  mo  shhiagh-sa  am 

peacadh   agus   an    aingidheachd,    agus   am 

feum  a  tha  aca  air  mo  shlainte. " 

Ach    ged    a    bheireadh    e    air    cridheachan 

dhaoine  tuiteam  'n  an  com,  an  uair  a  bhiodh 

e  a'  rannsachadh  agus  a  sgriidadh  an  coguis- 

ean    a  thaobh    pheacaidhean   diomhair,     bha 

e    'n   a   shearmonaiche   soisgeulach,    daonnan 

ag    ardachadh    saor-ghras    an    Tighearna    do 

pheacaich.      B'e  aon    de  na  cinn-theagaisg  a 

bu  bhitheanta    air    am   biodh  e  a'    labhairt. 

"  Beannaich  an  Tighearna,  O  m'  anam,  agus 

moladh  gach  ni  a  ta  an  taobh-a-stigh  dhiom 

ainm  naomh-san,"   agus  co  riamh   a  chual  e 

air  feasgar    comanachaidh  a'   labhairt  air  a 

mhaitheanas,  agus  air  an  t-slanuchadh,  agus 

air  an  t-saorsa,   agus  air  a  bheathachadh  a 

tha  Dia  a'  toirt  d'a  shluagh,  a  b'  urrainn  a 

dhichuimhneachadh  !      Is  e  aon  de  na  nithean 

air  son  am  bi  mise  a'  beannachadh  ainm  an 

Tighearna  mi  fhein,  gu'n  cuala  mi  an  duine 

so  ann  an  laithean  m'  oige. 

A  mach  o  ghrainealachd  a'  pheacaidh,  b'e 
an  cuspair  eile  a  bu  trice  air  am  biodh  e  a' 
bruidhinn,  urnuigh — gu'm  feumadh  daoine 
gleachd  ri  Dia  gun  sgur  ann  an  urnuigh  air 
ghaol  an  anam  a  thearnaclh.  Agus  cha 
dichuimhnich  mi  gu  brath  cuid  d'a  urnuigh- 
ean  fhein, — uri)uighean  anns  an  robh  irios- 
lachd,  is  urram  diadhaidh,  is  soluimteachd, 
is  cumhach'ii  an  Spioraid  Naoimh. 

Bha'  class  Biobuill  aige  nach  fhacas  a 
leithid  eile  riamh,  ceithir  no  coig  de  cheudan 
(a'  chuid  mhor  dhiubh,  gillean  oga,  ach  bha 
seann    daoine   ann    cuideac-hd)    a'    siiidhe  aig 


a  chasan  mar  gu'm  b'e  Rabbi  a  bha  ann.  j: 
Agus  b'e  sin  a  bha  ann,  fior  Rabbi;  sgrlobh-  I 
aiche  ealanta  agus  ionnsaichte  d'am  ).' 
aithne  nithe  nuadh  agus  sean  a  thoirt  a  macli 
as  an  ionmhas  a  bha  aige.  Bha  mise  a'  dol 
do'n  chlass  sin  coig  bliadhna,  agus  cha 
deachaidh  mi  i  iamh  ann  gun  rud-eigin 
fhaotainn  ann  a  bheathachadh  m'  inntinn 
agus  mo  si^ioraid  ;  dh'  fhosgail  e  mo  shiiilean 
mar  nach  do  rinn  ach  fear  no  dha  de'n  luchd- 
teagaisg  a  bha  anns  a'  choUaiste.  Bha  gaol 
anabarrach  aige  air  leabhraichean  brlogh- 
mhor,  agus  dhuisg  e  an  gaol  sin  ann  an 
daoine  eile. 

An  diugh  cha  chluinnear  ach  uair  gle  J 
annamh  ministear  ag  earalachadh  air  daoine  ' 
ullachadh  air  son  a'  bhais,  ach  cha  do  leig 
an  t-Ollamh  Mac  lUe  Bhain  le  choimhthional 
am  bas  a  dhichuimhneachadh.  Bhiodh  e  ag 
innseadh  dhaibh  na  leabhraichean  a  bhiodh 
aige  ri  ceann  a  leapa  a  dh'  fheitheamh  air 
an  uair  sin — na  Sailm,  agus  Iain  Bunian, 
agus  Plato,  agus  Bellarmine,  agus  Fois  nan 
naomh,  agus  na  laoidhean  so,  Chreag  a  sgoilt- 
cadh  air  mo  sgdth,  losa  thug  do  m''  anam 
grddh,  Tha  sruth  mo  re  a'  trdghadh.  Bhiodh 
na  briathran  gu  trie  air  a  bhilean,  Ciod  a  ni 
thu  ann  an  onfhadh  lordain  1  Agus  b'e  sin 
an  ceann-teagaisg  mu  dheireadh  air  an  do , 
shearmonaich  e. 

Ann  am  feasgar  anmoch  a  bheatha  sgrlobh 

e  an  litir  so  gu  Seumas    Robertson,  D.D.,  a 

bha    'n    a    cheann-suidhe    air    an    t-Seanadh 

againne  bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  : — 

"  Moran  taing  dhuit  air  >son  do  litreach, 

a  bhrathair.      Tha  mise  moran  na's  breoite 

na  thusa.      A  thaobh    m'    anama   agus  mo 

spioraid,     tha     mi     a'     toirt    thairis     nan 

laithean  a  thug  Dia  dhomh  ann  am  feasgar 

fann  mo  bheatha   gu  bhi  ag  ullachadh  mo 

chridhe  fhein  agus  a'  gabhail  ciiraim  dom' 

fhion-lios    fein.        Na  sgriobturan    as    am 

bithinn  a'   deanamh  shearmon  do  dhaoine 

eile,   Daibhidh,  agus  Isaiah,   agus  Pol,  tha 

mi  a  nis  'gan  tionndadh  air  mo  chridhe  fein 

agus  a  chum  leas  m'  anama  fein.      Tha  mi 

nis  na's  cinntiche  na  bha  mi   riamh  gun 

do  ghairmeadh  mi  a  chum  eolas  fhaotainn 

air  plaigh  mo  chridhe  fein,   agus  a   chum 

spairn  a  dheanamh  gus  eolas  fhaotainn  air 

Dia,  agus  air  a  mhac,  agus  air  cumhachd 

au  t-soisgeil  a  shearmonaich  Pol.      Agus  is 

e  m'  urnuigh  a  h-uile  maduinn, 

0  to'  anam  feith  gu  faighidneach 

Ri  Dia  a  mhdin  mar  chleachd.. 

Oir  ann-san  tha  mo  mhuinghinn  threvn, 

'S  mo  dhdchas  fein  gu  beachd. 

An  uair   a  bhios  tusa  dluth   ri    Dia,   agus 

tha  fhios   agam  gu  bheil  thu  dluth   dha   a 

ghnath,  cuimhnich  m'  ainm-sa,  a  charaid" 


Air.    1. 


1926. 


MDCCCCXXVI. 


An  viair  a  rainig  an  lighiche  oaomh,  Oliver 
Wendell  Holmes,  ceithir  fichead  agus  a  dha, 
sgriobh  e  mar  so  :  "Is  toigh  leam  m'aois  a 
chur  sios  an  litrichean  mora  Romanach, 
LXXXII.  Tha  e  mar  gu'm  biodh  e  a' 
deanamh  m'  aoise  urramach,  agus  'gam 
chur  'n  am  shuidhe  comhla  ri  Abraham  agus 
ris  na  h-aithrichean  eile. " 

Bliadhna  mhaith  ur  dhuibh,  a  le\ighad- 
airean  uile ;  agus  gach  sonas  is  beannachd 
a  chi  Dia  iomchuidh  a  thoirt  duibh.  B' 
fhada  a'  bhliadhna  a  chaidh  seachad  an  uair 
a  dh'  amhairc  sinn  air  thoiseach  oirnn  air 
a'  cheud  la  de  lanuari,  1925  ;  ach  an  diugh, 
an  uair  a  sheallas  sinn  air  ais,  nach  bu 
ghoirid  a  chaidh  i  seachad  !  Tha  ar  beatha 
uile  mar  sin ;  tha  sinn  a'  caitheamh  ar  n- 
iiine  mar  sgeul  a  dh'  innsear. 

Ged  tha  laithean  ar  beatha  a'  dol  seachad 

cho  luath,  cha  'n'  eil  rud  eile  air  an  t-saoghal 

a  tha    daoine  oho  neo-churamach  uime   's   a 

tha   iad  mu    'n  iiine.  Nach   'eil   da    uair 

dheug  anns  an  la?     Tha  da  uair  dheug  ann 

gun    teagamh,    ach    ma    tha    cuid    de    na   h- 

uairean    sin    air    an    cur    seachad    ann    an 

githeilis  gun  fheum,  nach  coma  ciod  am  fad 

a  tha  anns  an  la.      An  abradh  tu  gu'n  robh 

an     duine    so     (fear     de    mhuinntir    Chille- 

sgumain)  ag  ath-cheannach  na  h-aimsir  1 

8    a.Tti. — Dhhisg    e;    8.20 — thionndaidh    e 

air  a  thaohh  chli;  8.40 — thionndaidh  e  oi'r 

an  taohh  eile;  8.50 — rinn  e  mianan;   9 — 

dh'  eirich  e;   9.30 — ghahh  e  a  bhraiceas ; 

10 — ghahh    e     smog;     10.30 — dhuin     e    a 

hhrogan;  11 — sheall  e  mach  a  dh'  fheuch- 

ainn  ciod  an  seorsa  latha  a  hha  ann;  11-12 

— hha  seanchas  aige  ri  Sednaid  Eachainn. 

agus  i   a'   dol   do'n    tohar ;   12.10 — chaidh 

e  a  steach  is  smog  e  tri  lain  na  pioba;  1 .30 

p.m,. — ghahh    e   a    dhinneir ;    2 — ghahh    e 

smog  is  leugh  e  mu  na  Bolsheviks  ann  an 

Tim    an     Ohain;     2.45 — thuhhairt     e    ri 

Iseahal    gu'n   rohh    an    dvthaich    ann    an 

droch  staid;    3 — chaidil    e  air   a'    hheinse 

gus   an  do  dhuisg   comhartich  a'   choin  e 

agus    Eoghan   Ban    air   tighinn   a    steach; 

3.30 — ghahh    e    fhein    agus    Eoghan    Ban 

smog,  is  chuir  iad  sios  air  Uoyd  George; 

4.30 — dh'   ol  iad  cupan   tea  is  ghahh  iad 

smog  eile;  5 — chaidh  e  greis  de'n  rathad  le 

Edghan  Ban;  ^.^0— sheall  e  a  steach  do'n 

t-sahhull  agus  do'n   hhatliaich;   5.40 dh' 

fharraid  e  do  Iseahal  an  d'   thug  i  hiadh 
do  na  cearcan;  Q~ghahh  e  smog;  6.15— 


hhrod     e     an     teine;     6.30— ghahh     e     a 
shuijjear  is  ghearain  e  air  an  annlann;  7— 
ghlan  e  a'  phioh   le  ite  is  ghahh  e  smog; 
7.30 — chaidh  e  air  cheilidh ;  10.30 — thdinig 
e  dhachaidh;  10.45 — chuir  e  dheth  a  hhrog- 
an; 10.50 — ghem-aich  e  a  sgian  is  ghearr  e 
corn  a  hha  air  a  Ivdaig ;  11.30 — ghahh   e 
smog:   thuirt  e  ris  fhein  gum  feumadli  e 
eirigh  trdth  am   maireach  agus  viread  aige 
r'a  dheanamh;  11.50— chaidh  e  a'  luighe. 
agus  hhniadoir  e  gu'n  rohh  Sednaid  Each- 
ainn a'  (Ji^niiamh  toll  'na  liidaig  le  gimJeid, 
agus  a?i   f -Urramach  Niall  Mac   Fharlain\ 
B.D.,    'ga  heannachadh. 
An  uair  a  sheallas  sinn  air  ar  n-ais  air  a' 
bhliadhna  a    chaidh,    seachad,    feumaidh  a' 
ndror-cliuideachd     againn     aideachadh    gu'n 
robh  sinn  neo-churamach  m'  ar  n-iiine,  agus 
gu  bheil  a  bhuil  sin    ri   fhaicinn  an   diugh. 
obair  air  thoiseach  oirnn  air  am  bi  e  duilich 
dhuinn  breith  gu  brath  tuilleadh,    a  chionn 
nach  do  rinn  sin  i  aig  an  am  cheart.     Ann 
amj    fear     de     na    leabhraichean     aig    Laura 
Richards  tha   i   ag   innseadh  na  naigheaclid 
so; — "  An  urrainn  duit  innseadh  dhomh  mu 
do^  choimhearsnach  ?"     ars'     an    t-aingeal    a 
bhios  a'  cur  ghnothuichean   ceart. 

"Is  urrainn,"  ars'  an  duine  driopail  ris 
an  aingeal,  "tha  mo  choimhearsnach  'n  a 
dhuine  gasda  ;  duine  glic  agus  maith,  agus 
abhacach  cuideachd ;  cha  'n  iarrainn  com- 
panach  a  b'  fhearr." 

"Seadh,"  ars'  an  t-aingeal,  "bhiodh  sibh 
comhla  trie,  am  bitheadh?" 

"  Cha  'n  urrainn  mi  a  radh  gu'm  bith- 
eadh,"  ars'  an  duine  driopail;  "  a  dh'  inn- 
seadh na  firinn,  cha  'n  fhaoa  mi  e  bho  chionn 
greis  mhaith.  Ach  tha  e  fodham  fhaicinn 
gun  dail  ;  bheir  mi  cuireadh  dha  tighinn  gu 
dhinneir  leam  a  nochd." 

"  Cha  ghabh  sin  deanamh  tuilleadh,"  ars' 
an  t-aingeal. 

"  Car  son  nach  gabh,"  ars'  an  duine 
driopail. 

''■  A  chionn  gu'n  do  chaochail  e  an  diugh 
's  a'  mhmduinn,"  ars'  an   t-aingeal. 

Theagamh  gu'm  bior  an  naigheachd  so 
ooguis  duine-eigin  a  leughas  an  duilleig  so, 
ach  is  ann  air  a  shon  sin  a  tha  mi 
'ga  h-innseadh.  Am  measg  nam  boidean 
eile  a  bhios  sinn  a'  cur  oirnn  fhein 
aig  toiseach  na  bliadhna,  cuireamaid 
i  so  oirnn,  nach  toir  sinn  cadal  do  ar  suilean 
no  do  cadail  do  ar  rosgan  gus  an  teid  sinn 
a  dh'  amharc  ar  coimhearsnach  tinn,  a  bu 
choir    dhuinn   fhaicinn    bho   chionn     fhada. 


"Is  fhearr  dol  do  thigh  a'  bhroin  no  dol  do 
tliigh  iia  Luirme,"  ach  ged  a  theid  daoine  gu 
cuirm  air  a'  cheud  iarraidh,  cuiridh  iad  gie 
bhitheanta  dail  ami  an  dol  do  thigh  a' 
bhroin,  agus  thig  an  dail  gu  dearmad,  gus 
mu  dheireadh  an  caill  iad  an  cothrom. 
Their  iad  riu  fhein  a  h-uile  latha,  cha  'n 
urrainn  mi  dol  a  dh'  amharc  mo  charaid  an 
diugh,  oir  tha  moran  agam  ri  dheanamh,  ach 
feuchaidh  mi  ri  dol  ann  am  mail  each  no  an 
earar,  ach  thig  am  maireach  agus  an  earar, 
is  cuirear  seachad  iad  ag  itheadh  agus  a' 
smogadh,  a'  biathadh  chearc  agus  a'  gearr- 
adh  chorns,  no  ann  an  githeilis  eile  de'n  t- 
seorsa  sin.  Tha  an  cairdeas  mar  a  chumar 
e ;  is  dleas  do  gach  duine  cneasda  a  charaid 
a  chuimhneachadh  agus  a  thigh  a  thadhall 
an  uair  a  thig  tinneas  no  trioblaid  'n  a 
charamh.  Gheibh  thusa,  a  leughadair,  an 

leabhar  dearg  so  air  a'  cheud  Shabaid  de'n 
bhliadhna  uir,  an  treas  la  de  lanuari,  agus 
ma  leughas  tu  an  duilleag  so  an  deidh  dhuit 
tighinn  dachaidh  as  an  eaglais,  mar  a  tha 
dochas  agam  gu'n  leugh,  naomhaich  an  corr 
de'n  latha  agus  naomhaich  an  cairdeas,  agus 
leig  gach  dleasdanas  eile  a  tha  agad  r'a 
dheanamh  seachad  agus  rach  a  dh'  amharc 
do  charaid  a  tha  air  a  leabaidh.  Ma  dh' 
fheumas  tu  taghadh  eadar  sin  agus  an  sear- 
mon-feasgair,  leig  seachad  an  searmon  agus 
faic  an  duine  tinn. 

Tha  e  furasda  do  gach  seorsa  dhaoine  an 
uine  a  chur  seachad  ri  githeilis  gun  fheum 
ach  tha  e  furasda  do  mhinistearan  gu  son- 
ruichte,  oir  cha  'n  'eil  iad  fo  riaghladh 
maighstir  air  bith  agus  faodaidh  iad  an  la 
a  chaitheamh  mar  a  thoilicheas  iad.  A 
thuilleadh  air  sin,  tha  fichead  rud  gun 
tairbhe  a  dh'  fhaodas  iad  a  bhi  deanamh  nach 
buin  gu  ceart  d'  an  obair  fhein,  ach  a 
chumas  'n  an  ruith  iad  fad  an  latha  air 
chor  agus  gu  bheil  a  choslas  orra  a  bhi 
anabarrach  dichiollach  agus  trang.  Ach 
cha  'n'  eil  tlachd  aig  Dia  ann  an  casan 
dhaoine  a  bhios  a'  ruith  air  thurusan  gun 
fheum,  no  ann  an  corragan  dhaoine  a  bhios 
a'  cur  an  corragan  ann  an  nithean  nach 
buin  daibh. 

Is  e  am  buaireadh  a  tha  gu  furasda  ag 
iadhadh  mu  mhinistearan  dearmad  a  dhean- 
amh air  an  aithne  a  thug  Pol  do  Thimoteus, 
Thoir  d'  aire  do  leughadh.  Ann  an  obair 
na  ministrealachd  bu  choir  do'n  chubaid  a' 
cheud  aite  fhaotainn ;  agus  cha  'n  urrainn 
duine  air  bith  teagasg  gu  ceart  anns  a'  chub- 
aid,  bliadhna  as  deidh  bliadhna,  mur  bheil 
e  a'  cur  seachad  ceithir  no  coig  a  dh'  uairean 
a  h-uile  latha  ag  obair  gu  cruaidh  am  measg 
a  leabhraichean.  Ma  tha  ministear  a'  dol 
suas  do'n  chubaid,  agus  gu'n  e  ullaichte  'n  a 


chridhe  agus  'na  inntinn  agus  'n  a  bhriath- 
ran  aii'  son  na  seirbhis  naonih,  is  dona  an 
lethsgeul  dha  gu'n  robh  e  ro  dhriopail  fad 
na  seachduinn  agus  nach  robh  iiine  aige. 
Ciod  a  tha  sin  a'  ciallachadh  ach  gu'n  robh 
e  ro  dhriopail  air  son  a  dhleasdanas  a 
dheanamh?  Ciod  an  tairbhe  a  tha  ann  do 
mhinistear  ged  a  bhiodh  e  anns  a'  chathair 
aig  coinneamh  air  chor-eigin  a  h-uile  oidhche, 
agus  ged  a  sgriobhadh  e  deich  litrichean  a 
h-uile  latha  gu  bord  an  fhearainn  air  son 
dhaoine  air  a  bheil  tarbh  no  reithe  no  coileach 
a  dhith,  ma  tha  e  a'  deanamh  dearmaid  air 
a  leughadh  agus  air  a  shearmonachadh. 
' '  lad  so  bu  choir  dhuibh  a  dheanamh  agus 
gun  iad  sud  a  dhearmad." 

Tha  na  laithean  a'  dol  seachad  agus  na 
bliadhnachan,  agus  moran  againn  fhathast 
r'a  dheanamh,  ach  mur  bi  sinn  curamach 
mur  n-uine  bidh  ar  beatha  uile  ooltach  ri 
fearann  an  dudne  leisg,  Ian  chluaran  agus 
fheanntagan.  Cha  'n  e  mhain  gu  bheil  ar 
laithean  goirid  ach  tha  iad  neo-chinnteach 
mar  an  ceudna.  Is  iomadh  duine  a  tha  gle 
luath  laidir  an  diugh  nach  fhaic  crioch  na 
bliadhna.  Bitheamaid  glic,  mata,  agus 
deanamaid  gu  coguiseach  ciod  air  bith  an 
obair  a  thug  Dia  dhuinn  r'a  dheanamh  mu'n 
tig  an  oidhche  anns  nach  urrainn  duine  obair 
a   dheanamh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Chual  an  saoghal  uile  iomradh  air  each 
ban  Chaluim-chille,  an  t-each  a  bhiodh  a' 
giulan  no  a'  tarruing  an  duine  naoimh  an 
uair  a  dh'  fhas  e  sean  is  anfhann.  Bha  meas 
mor  aig  Calum  air  an  each,  ague  b'  ion  da, 
oir  bha  gaol  aig  an  each  air ;  an  uair  a  bha 
Calum  dluth  do'n  bhas  thuig  an  t-each  ban 
gu'n  robh  rudeigin  cearr,  agus  bha  e  duilich 
do  na  braithrean  a  chumail  air  falbh  bho'n 
dorus,  agus  e  a'  sitrich  gu  muladach  ag 
iarraidh  a  mhaighstir. 

Tha  corr  agus  tri  cheud  deug  bliadhna  bho 
na  shiubhail  Calum-Cille,  ach  air  an  t-seach- 
duin  so  chaidh  chuala  mi  naigheachd  mu'n 
each  bhan  so  a  bu  mhaith  learn  innseadh. 
G-hiorraich  an  naigheachd  an  t-slighe  aguis 
mi  a'  tighinn  dachaidh  a  Duneideann  air 
a'  charbuid-iaruinn. 

Thachair  dhomh  dol  a  steach  far  an  robh 
duine  a  b'  aithne  dhomh,  duine  nach  fhaca 
mi  bho  chionn  iomadh  bliadhna,  agus  fad 
greis  mhaith  de'n  rathad  bha  ar  seanchas 
mu  dhaoine  a  b'  aithne  dhuinn ;  esan  a' 
foighneachd  dhiom-sa  mu'n  duine  ud  agus 
mise  a'  foighneachd  dheth-san  mu'n  duine  ud 
eile. 


Mu  dheireadh  thug  sinn  tarruing  air  duine 
nauh  fhaod  mi  aimneachadh,  duine  a  bha 
aims  an  Oil-thigh  comhla  rium,  ach  nach 
fhaca  mi  bhuaith  sin.  "  An  uair  mu 
dheireadh  a  chunnaic  mise  e,"  arsa  Mghi^  C. 
(mo  chompanach)  "  bha  e  a'  liubhairt  oraid 
ann  an  lonarnis  mu  Chalum-cille,  agus  tlia 
naigheachd  agam  dhuit  mu  'n  oraid  sin." 

"  Cha  'n  'eil  cuimhue  agam  air  dad  a 
thubhairt  e,"  ars'  esan,  "  ach  a  mhain  aon 
ni  ;  aig  deireadh  na  h-6raid  dh'  innis  e  gu'n 
d'  fhuaras  bho  chionn  beagan  bhliadhnachan 
ann  an  I  cnamhan  eich  a  bha  air  an  tiodh- 
lacadh  gu  curamach  ann  an  uaigh  dhomhain 
a  bha  comhdaichte  le  leacan  mora  cloiche, 
agus  gu'n  robh  e  gle  choltach  gur  e  cnamhan 
an  eich  bhain  aig  Calum-cille  a  bha  ann." 

"Ann  an  1911  thachair  dhomh  a  bhi  ann 
an  I,  agus  dh'  fhorfhaisich  mi  mu  na  cnamh- 
an so  a  fhuaradh.  Bha  na  cnamhan  air  am 
faotainn  ceart  gu  leoir,  agus  dh'  innis 
muinntir  an  eilein  dhomh  gu'n  robh  iad  fo 
churam  croiteir  sonruichte.  An  uair  a 
chaidh  mi  'g  a  fhaicinn  thuirt  an  croitear 
so  rium  gu'n  robh  na  cnamhan  ann  an 
gleidheadh  aige-san,  ach  gu'n  robh  iomadh 
latha  bho  nach  do  sheall  e  orra.  Bha  na 
cnamhan  aige  air  lobhtaidh  ann  am  bocsa, 
ach  ged  a  thug  e  thugam  am  bocsa,  cha  robh 
de  eolas  agam-sa  air  cnamhan  na  dheanadh 
a  mach  ciod  an  seorsa  a  bha  ann.  Ach 
chunnaic  mi  fiaoaill  no  dha  a  bha  coltach  ri 
fiaclan  eich,  agus  dh'  fharraid  mi  dheth  am 
faotainn  te  dhiubh  a  thoirt  leam.  Thuirt  e 
gu'm  faodadh,  agus  thiig  e  dhomh  te  de  na 
fiaclan,  ach  dh'  innis  e  dhomh  ciod  a  thach- 
air an  uair  a  chual  an  Diuc  gu'n  tugadh 
fear  de  na  cnamhan  air  falbh  uair-eigin  do'n 
Oban.  Thug  e  air  an  fheadhainn  aig  an 
robh  e  a  chur  air  ais. " 

"  Dh'  innis  e  dhomh  cuideachd  mar  a 
fhuaradh  na  cnamhan,  agus  leig  e  fhaicinn 
dhomh  an  t-aite,  agus  rinn  sin  na  bu  chinnt- 
iche  mi  na  rinn  seanchas  an  oraidaiohe  gur 
e  fiacaill  an  eich  bhain  aig  Calum-cille  a  bha 
agam  gun  teagamh." 

An  ath  uair  a  bha  mi  ann  an  Lunnainn 
thug  mi  leam  i,  is  chaidh  mi  leatha  gu  Sir 
Arthur  Keith.  Cha  robh  uine  aige  am  feas- 
gar  a  thadhaill  mi  air  ach  air  aon  siiil  a  thoirt 
oirre,  ach  thuirt  e  gu'm  faodadh  e  bhith  gur 
e  fiacaill  eich  a  bha  ann,  ach  co  dhiu  gu'n 
robh  i  anns  a'  ghainmhich  na  ceudan 
bliadhna.  Thuirt  e  gu'm  feumainn  cnaimh 
mor  na  sleisde  a  chur  thuige  ma  bu  mhaith 
leam  an  gnothuch  a  chur  an  dara  taobh,  a 
thaobh  a'  bheathaich  a  bha  ann,  agus  an  uine 
a  bha  e  fo'n  talamh."    , 

Sgriobh  mi  a  dh'  ionnsuidh  an  fhir  ais 
an  robh  na  cnamhan  ann  an  T,  ach  cha  robh 


e  furasda  dhuinn  an  toiseach  a  cheile  a 
thuigsinn  mu'n  fhior  chnaimh  a  bha  dhith 
air  Sir  Arthur  Keith,  no  cordadh  mu'n 
ghnothuch  idir,  ach  mu  dheireadh  chaidh  an 
cnaimh  do  Lunnainn,  agus  an  fhiacaill  cuid- 
eachd. Ach  is  duilich  leam  a  radh  gur  e 
am  fios  a  chuir  Sir  Arthur  Keith  thugam, 
nach  e  cnaimh  no  fiacaill  eich  a  bha  ann  idir 
ach  cnamhan  daimh  no  mairt,  agus  gu'n  robh 
iad  anns  an  talamh  mile  bliadhna  no  suas 
ris." 

Sin  agad,  a  leughadair,  mar  a  mhilleas 
solus  na  firinn  naigheachd  mhaith.  Ciod 
nach  tiigadh  an  duine  caomh  nach  maireann, 
an  t-Ollamh  Seumas  Cooper,  D.D.,  air  fiacaill 
an  eich  aig  Calum-cille  fhaotainn  an  croch- 
adh  m'a  mhuineal? 
*  *  *  *  *  -x-  *  -x- 

Anns  an  leabhar  as  bitheanta  a  bhios  air 
mo  ghluin,  Foclair  a'  Bhiohidll  aig  Hastings 
tha  naigheachd  air  a  h-innseadh  anns  an  dara 
leabhar  (duilleag  750)  a  chuireadh  Calum  na 
Croige  fhein  air  uilinn.  Am  meadhon  an 
t-seanehais  a  tha  Ed.  Konig  a'  deanamh  mu 
leabhar  lonaih  gheibhear  an  naigheachd  so, 
— "  A  reir  urrainn  Ghearmailteach,  bha  Seu- 
mas Bartley,  sealgair  mhuca-mara,  air  a 
shlugadh  le  muic-mhara  air  latha  sonruichte 
ann  am  Februari,  1891,  ach  an  ath  latha 
bha  a'  mhuc-mhara  air  a  marbhadh  leis  na 
sealgairean,  agus  thug  iad  a  mach  Seumas 
Bartley  as  a  broinn  beo.  Bha  e  ann  an  pais- 
eanadh  agus  gun  a  thur  aige  an  uair  a  thug- 
adh  aisde  e,  agus  bha  e  duilich  do  no  na 
seoladairean  eile  a  thoirt  thuige  fhein.  Cha 
d'  fhuair  e  a  chiall  air  ais  gu  cionn  tri 
raiosan." 

Ann  an  1906  sgriobh  an  t-Urramach  A. 
Lukyn  Williams  gu  paipear  mu'n  ghnothuch, 
a'  farraid  am  b'  urrainn  Ed.  Konig  fhein, 
no  duine  air  bith  eile,  fianuis  chothromach 
a  thoirt  seachad  mu'n  chilis  ;  ainm  na  luinge, 
is  ainm  an  sgiobair  ;  an  t-aite  anns  an  do 
thachair  e,  agus  an  t-am. 

Fhreagair  Ed.  Konig  an  litir  e  fhein,  agus 
so  mar  a  fhreagair  e.  "A  reir  paipearan- 
naigheachd  Shasuinn,  as  an  tug  am  paipear 
Aurora,  ann  an  Canada  an  naigheachd.  bha 
an  soitheach  Rerll  va  h-airde  'n  Ear  dhluth 
do  chladach  eileanan  Falkland  ann  am 
Februari.  1891,  a'  sealg  mhuca-mara.  Chuir 
i  a  mach  da  gheila  a  dhol  as  deidh  muice 
a  chunnacas  a'  seideadh  :  an  uair  a  bha  a' 
mhuc-mhara  a'  sloistreadh  na  fairge,  agus 
i  air  a  leon,  thug  i  buille  d'a  h-earball  do 
the  de  na  geolachan  is  chuir  i  fodha  i.  Thog 
a'  g'heola  eile  na  daoine  air  fad  ach  dithis. 
An  ceann  greis  fhuair  iad  fear  de'n  dithis 
a  chailleadh,  agus  gun  an  anail  ann,  ach  cha 
robh  sealladh  air  an  fhear  eile,  Seumas  Bart- 


ley.  An  viair  a  bha  a'  mhuc  marbh  thoisich 
a'  gheola  air  a  tobhadh  a  dh'  ionnsuidh  an 
t-soithich,  agus  an  deidh  dhaibh  a  ceangal 
ris  an  t-soitheach  thoisich  iad  air  a  gearr- 
adh.  Blia  iad  ag  obair  oirre  la  is  oidhche, 
ach  an  dara  la  an  uair  a  dh'  fhosgail  iad  a 
goile,  dh'  fhas  an  suilean  cho  mor  ri  truinn- 
*!earan,  oir  fiaicear  an  companach,  Seumas 
Bartley,  ann  am  broinn  na  muice-niara. 
Cha  robh  tiir  no  faireachadh  aige,  agus  theab 
nach  b'  urrainn  daibh  a  thoirt  gu  mhothach- 
adh.  Cha  'n  fhaigheadh  iad  diog  as  an 
toiseach  ;  bha  iad  'g  a  eiridinn  tri  seaohduinn- 
ean  m'  an  tainig  a  thiir  agus  a  chainnt 
thuige.  An  deidh  laimhe  thuirt  e  gu'n  robh 
cuimhne  aige  a  bhi  air  a  thilgeil  suas  do'n 
adhar,  agus  an  sin  a  bhi  air  a.  shlugadh. 
'  Bha  mi  mar  gu'm  bithinn  ann  an  guitear 
sleamhain,'  ars  esan,  '  ach  an  ath  mhionaid 
fhuair  mi  mi-fhein  mar  gu'm  bithinn  am 
am  poca  mor.  Bha  e  duilich  dhomh  m'  anail 
a  tharruing,  agus  bha  an  teas  uamhasach, 
agus  thainig  e  'n  am  inntinn  gu'm  bithinn 
air  mo  bhruich  beo.  Theab  mo  cheann 
sgaineadh  leis  na  smuaintean  eagallach  a  bha 
tighinn  thugam,  ach  gu  fortanach  chaill  mi 
mo  mhothachadh.'  Am  measg  sheoladairean 
eile  bha  Seumas  Bartley  air  a  chunntas  'na 
dhuine  ruoasach,  misneachail,  ach  riamh 
bho  na  thachair  sud  dha,  thainig  seorsa  de 
mheatachd  ann,  is  bidh  e  gu  trie  'ga 
fhaicinn  fhein  fhathast  mar  gu'm  biodh  e  air 
bheul  a  bhi  air  a  shlugadh  leis  an  uilbheist. 
Leis  mar  bha  e  air  a  shuathadh  le  sugh  a 
goile  tha  a  chraicionn  a  nis  air  cruadhachadh 
mar  gu'm  biodh  paipear." 

Ach  cha  do  leig  Mghr.  Williams  leis  a' 
ghnothuch  stad  aig  a  so ;  sgriobh  e  gu  Lloyds, 
a  dh'  fheuchainn  am  b'  urrainn  daibh  inns- 
eadh  dha  an  robh  a  leithid  de  shoitheach  ann 
is  Beul  na  h-dirde  'n  Ear,  agus  ma  bha,  c' 
aite  an  robh  i  ann  am  Februari,  1891,  agus 
CO  an  sgiobair  a  bha  oirre. 

So  am  fios-f  reagairt  a  chuir  Lloyds  air  ais. 

"  Sheol  an  soitheach  Reul  na.  h  dirde  n' 
Ear,  a  Auckland,  N.Z.,  air  an  t-seachd- 
amh  la  fichead  de  Dhecember,  1890,  a  dhol 
do  New  York,  agus  rainig  i  am  port  sin 
air  an  t-seachdamh  la  deug  de  April,  1891. 
Sheol  an  soitheach  so  fo  bhratach 
Bhreatuinn ;  agus  b'e  ainm  an  sgiobair, 
Caiptein  Killam.  Reiceadh  i  'n  a  dheidh 
sin ;  buinidh  i  a  nis  do  I.  F.  Whitney  & 
Co.,  Sraid  na  Staide,  New  York,  U.S.A., 
agus  is  e  ainm  an  sgiobair  aice  Caiptein 
Dill." 

B'e  an  ath  rud  a  rinn  Mghr.  Williams 
sgri^bhadh   gu    Caiptein    Killam;    agus    is   e 


so  an  litir  a  chuir  bean  Chaiptein  Killam  air 

ais. 

"   Nova  Scotia, 

November  24,  r.'06. 
"  Dh'  iarr  an  duine  orm  'ur  litir 
a  fhreagairt,  agus  innseadh  dhuibh  nach 
'eil  facal  firinn  anns  an  naigheachd  a  tha 
air  a  h-innseadh  mu'n  t-soitheach  anns  an 
robh  e  ann  an  1891,  Reul  na  h-dirde  'n  ^ar. 
Bha  mise  comhla  ris  innte,  cho  fhad  s  a 
bha  e  innte,  agus  cha  'n  fhaca  is  cha 
chuala  mi  riamh  gu'n  do  chailleadh  duine 
innte.  Cha  robh  Seumas  Bai-tley  ach  ag 
innseadh  an  rud  ris  an  abair  na  seoladair- 
ean  Yarn.  Ach  ma  gheibh  sibh  greim 
air  a'  phaipear-naigheachd  anns  an  robh 
an  yarn  so,  bu  mhaith  leam  fhaicinn." 

Sin  agad  a  ris,  a  leughadair,  mar  a  mhilleas 
solus    na   firinn  naigheachd  rnhaith. 
*  *  *  ^  *  *** 

Tha  cuid  de  dhaoine  ann  nach  cuir  dealach- 
adh  air  bith  eadar  dath  is  dath ;  cha  'n 
aithnich  iad  geal  o  bhuidhe,  no  dearg  o  uaine. 
A  thaobh  dhathan  tha  iad  mar  gu'm  biodh 
iad  -  dall.  Sin    direach   mar  tha   cuid   de 

dhaoine  a  thaobh  na  firinn ;  cha  'n  aithnich 
iad  dreach  na  firinn  agus  cha  mho  a  dh' 
aithnicheas  iad  dath  nam  breug. 

Bha  mise  am  beachd  aon  uair  gur  e  cion 
sgoile  a  bha  cur  na  doille  so  air  suilean 
dhaoine,  ach  tha  amharus  agam  a  nis  nach 
e  sin  idir  is  coireach  dha,  ach  rud-eigin  eile. 
Oir  tha  e  a  cheart  cho  furasda  toirt  air 
daoine  a  fhuair  deagh  sgoil  naigheachd  air 
a  bheil  dath  nam  breug  a  chreidsinn  's  a 
tha  e  toirt  air  daoine  aig  nach  'eil  sgoil  idir 
a  creidsinn.  Mar  is  sinne  tha  mi  a'  fas  is 
ann  is  laidire  a  tha  mi  am  beachd  nach  'eil 
sgoil  ag  atharrachadh  ann  an  doigh  air 
bith  an  seorsa  inntinn  a  tha  aig  duine  gu 
nadurra.  Ma  tha  inntinn  A.l.  aig  duine  gu 
nadurra,  ni  an  duine  sin  a  rathad  anns  an 
t-saoghal  agus  anns  a'  cheo  gu  miorbhuileach, 
ged  nach  biodh  facal  sgoile  'n  a  cheann. 
Is  e  fior  chomh'arradh  na  h-inntinn  A.l, 
nach  mill  an  sgoil  i.  Ach  mur  bheil  aig 
duine  gu  nadurra  ach  inntinn  C.3,  ged  a 
lionadh  tu  ceann  an  duine  sin  le  sgoilearachd 
gus  nach  gabhadh  an  corr  dinneadh  ann,  cha 
deanadh  tu  inntinn  A.l  dhi. 

An  uair  a  bhios  mi  air  son  fhaotainn  a 
mach  00  dhiu  a  tha  aig  duine  inntinn  A.l  no 
inntinn  C.3  no  inntinn  D.4,  is  coma  leam  c6 
an  sgoil  anns  an  robh  e  no  ciod  a  rinn  e 
innte;  is  e  an  dearbhadh  a  bhios  mi  a'  cur 
air,  an  aithnich  e  an  fhirinn  agus  a'  bhreug 
air  an  dreach  agus  an  aileadh  cho  cinnteach 
's  a  gheibh  cuinnlean'  na  h-abhaig  aileadh  an 
t-sionnaich. 


Air.    2. 


1926. 


SEARMON  DO'N  OIGRIDH. 


(Bha  an  searmon  so  air  a  liubhairt  an  eaglais  Bh]4ir 
an  Atlioll  do  dhaoine  oga  agus  do  chloinn  air  feasgar 
na  dara  f^abaid  de'ii  bhliadhna  iiir.  Tha  mi  nis  'g  a 
ohAr  a  mach  air  an  duiileig  so,  an  dochas  gu'n  leiigh 
pal,(,htan  anns  a'  Ghaidliealtachd  d'  an  cloinn  e,  a  dh' 
fheuchainn  an  cuir  e  'n  an  cuimhne  fein  agus  an  toir  e 
gu  aire  na  cloinne  gu  bheil  obair  aig  Dia  dhaibli  'n  a 
eaglais). 

Fuiling  thusa  cruadal  mar  dheagli  shaigJi- 
dear  losa  Criosd..     An   t-ahstnl  Pol. 

Co  agaibh  a  b'  iirrainn  innseadh  dhomh  c' 
aite  a  bheil  Raratonga,  no  c6  agaibh  a  b' 
urrainn  innseadh  dhomh  ciod  is  ciall  do'n 
fhacal  glac/aireachd  gun  turl  Theagamh 
nach  cuala  sibh  riamh  iomradh  air  an  aite 
sin,  ach  tha  mi  an  dochas  gu'ni  bi  fhios 
agaibh,  m'  an  criochnaich  mise  mo  ,shean- 
chas  an  drasd,  c'aite  a  bheil  Raratonga  ; 
agus  gu'm  bi  fhios  agaibh  cuideachd  ciod  is 
ciall  do'n  fhacal,  glagaireachd  gun  tiir. 

Tha  tri  rioghachdan  anns  an  t-saoghal, 
nach  'eil  ach  loeag  air  a'  mhap,  aig  a  bheil 
ainm  is  cliu  ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail, 
nach  'eil  aig  rioghachdan  as  motha  na  iad, — 
A  Ghreig,  agus  Palestin,  agus  Albainn.  Anns 
na  seann  laithean  bha  Greugaich  agus  ludh- 
aich  uasal  as  an  diithaich  anns  an  d'  araich- 
eadh  iad,  agus  b'  ion  daibh  a  bhith ;  ach  tha 
a'  cheart  aobhar  againne  a  bha  aca-san  air 
a  bhi  uasal  a  tir  ar  diithchais  fhein. 

Cha'n  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  goraiche 
do  dhaoine  na  bhi  saoilsinn  gur  e  farsuing- 
eachd  a  criochan  a  tha  toirt  inbhe  is  urram 
do  rioghachd.  Faodaidh  rioghachd  a  bhi 
mor  air  a'  mhap  agus  gun  a  bhi  innte  ach 
crionach  a  tha  fasachadh  na  talmhainn,  agus 
faodaidh  rioghachd  a  bhi  beag  ach  fhathast 
a  h-aite-seasamh  a  bhi  aice  am  measg  mhaith- 
ean  na  talmhainn.  Na  creideadh  sibhse, 
mata,  an  dara  leth  de'n  ghloramas  a  bhios 
sibh  a'  cluinntinn  no  a'  leughadh  anns  na 
paipearan-naigheachd,  gloramas  a  bhios  a' 
feuchainn  ri  chur  mar  fhiachaibh  oirbh  gui 
e  farsuingeachd  a  fearainn,  is  lionmhorachd 
a  sluaigh,  is  aireamh  a  saighdearan,  is  tomad 
a  marsantachd,  a  tha  deanamh  rioghachd 
mor  is  urramach  is  cliuteach  am  measg  chaich. 
Cha'n  e  idir,  ach  an  gaol  air  fireantachd  is 
ceartas  a  tha  ann  an  cridheachan  a  sluaigh. 

Ged  nach  'eil  ann  an  Albainn  ach  diithaich 
bheag  chaidh  a  mic  a  mach  air  feadh  an  t- 
saoghail  uile  ;  cuid  dhiubh  a  dh'  iarraidh  an 
fhortain  air  an  son  fhein,  ach  cuid  eile  a 
thoirt  solus  na  firinn  do  na  duthchanna  borb 


is  dorcha.  An  uair  a  thoisichear  air  na 

sdisgeulaichean  as  ainmeile  a  chaidh  a  mach 
do  thirean  cein  a  chunntas  chithear  gu'm 
buineadh  cuid  mhaith  dhiubh  do  Albainn ; 
Mungo  Park ;  Daibhidh  Mac  an  Leigh ;  Iain 
G.  Paton ;  Alastair  Dufi  ;  Seumas  Chalmers; 
Alastair  Mac  Aoidh  a  chaidh  do  Uganda ; 
Domhnull  Friseal ;  agus  an  t-Ollamh  Raibeart 
Laws,  an  Livingstonia ; — daoine  a  bha  da 
rireadh  'n  an  deagh  shaighdearan  losa 
Criosd. 

Is  urramach  an  cliu  e  air  duine  air 
bith,  gur  deagh  shaighdear  e ;  ach  is  urra- 
maiche  air  fad  aii  cliii  air,  gur  deagh 
shaighdear  losa  Chriosd  e.  Is  ann  mu 
fhear'  de  na  saighdearan  sin  a  bu  mhaith 
leam  seanchas  a  dheanamh  ruibh  an 
drasd ;  mu  Sheumas  Chalmers  a  chaidh  le 
lochran  na  Firinn  do  eileanan  na  h-airde 
Deas.  Tha  mi  an  dochas,  a  dhaoine  oga, 
gu'm  bi  sibhse  gaolach  air  a  bhi  leughadh 
mu  obair  an  t-soisgeil  ann  an  tirean  cein, 
agus  mu  na  soisgeulaichean  mora  a  rugadh 
an  Albainn.  An  uair  a  bhios  sibh  a'  leugh- 
adh mu  Dhaibhidh  Mac  an  Leigh,  no  mu 
Sheumas  Chalmers,  no  mu  fhear  air  bith  eile 
de  na  missionaraidhean  a  thug  seachad  am 
beatha  uile  do  Dhia,  tha  sibh  a'  deanamh 
mar  tha  Pol  ag  iarraidh  oirbh  a  dheanamh, 
"  cia  b'e  nithean  a  tha  fi'or,  cia  b'e  nithean 
a  tha  urramach,  cia  b'e  nithean  a  tha  ion- 
glirailhach,  cia  b'e  nithean  a  tha  cliuiteach, 
■iiituainichibh  air  na  nithean  f:in." 

Rugadh  Seumas  Chalmers  am  baile  lonar- 
aora,  agus  ged  nach  robh  ann  ach  mac  clach- 
air,  tha  ainm  an  diugh  anns  an  t-saoghal 
na's  cliiiitiche  na  ainm  Mhic  Cailein  fhein. 
Latha  sonruichte  a  bha  e  anns  an  sgoil-Shab- 
aicl  leugh  am  ministear  litir  bho  shoisgeul- 
aiche  a  bha  ann  am  Fiji,  ag  innseadh  mu  na 
daoine  borb  a  bha  anns  an  eilein  sin  agus 
mu  na  cleachdannan  uamhasach  a  bha  aca, 
agus  an  deidh  dha  an  litir  a  leughadh,  sheall 
e  air  na  balaich  a  bha  m'a  choinneamh  agus 
thuirt  e  riutha,  "  Co  aige  a  tha  fhios  nach 
'eil  balach  air  chor-eigin  an  so  an  diugh  a 
theid  a  mach  leis  an  t-soisgeul  a  dh'  ionn- 
suidh  nan  daoine  aineolach  so?" 

Bhoidich  Seumas  Chalmers  'n  a  chridhe 
fhein  gu'n  rachadh  esan  ann,  ach  cha  d' 
innis  e  sin  do  chach,  oir  cha  robh  fhios  aige 
ciamar  a  b'  urrainn  e  dol  do'n  Chollaiste  gun 
airgiod.  M'  an  deachaidh  e  dhachaidh,  an 
deidh  do'n  sgoil-Shabaid  tighinn  a  mach, 
chaidh  e  sios  gu  taobh  na  h-aibhne  leis  fhein 
ao'us  rinn  e  urnuigh,  ag  iarraidh  air  Dia  an 


t-slighe  a  reiteachadh  agus  doinis  fhosgladh 
roimhe.  Ghabhadh     e     uine      ro     fhada 

na'n  toisichinn  air  innseadh  dhuibli  mu  na 
doighean  iongantach  aims  an  do  fhreagair 
Dia  tirnuigh  a'  bhalaich,  ach  co  dhiii  fhuair 
e  iarrtus  is  diirachd  a  chridhe,  agus  mu 
dheireadh  sheol  e  a  Lunnainn  a  dhol  a  mach 
mar  shoisgeulaiche  do  eileanan  na  h-airde 
Deas  anns  a'  Phacific. 

Theagamh  gur  e  Samoa  am  fear  de  na  h- 
eileanan  sin  as  fhearr  is  aithne  dhuibhse,  an 
t-eilean  anns  an  do  rinn  R.  L.  Stevenson  a 
dhachaidh,  an  uair  nach  leigeadh  a'  ghaoth 
an  ear  leis  fuireach  an  Duneideann.  An 
iomadh  doigh  bha  R.  L.  Stevenson  agus 
Seumas  Chalmers  gu  maith  eu-coltach 
r'a  cheile;  ach  ged  nach  robh  Stevenson  ro 
thoigheach  air  a  bhi  ann  an  cuideachd  phears- 
achan-eaglais  bha  meas  mor  aige  air  Seumas 
Chalmers,  agus  sgriobh  e  uime  gu  mhathair 
mar  so,  "  Cha  b'  urrainn  duine  eolas  a  chur 
air  Seumas  Chalmers  gun  ghaol  a  ghabhail 
air ;  tha  gu  leor  de  fhailingean  ann,  ooltach 
ruinn  uile,  ach  tha  e  cho  mor  ri  eaglais." 

Nach  gasda  an  teisteanas  sin  air  duine  sam 
bith,  gu'm  biodh  e  air  a  radh  uime  gu  bheil 
e  coltach  ri  eaglais  !  Tha  fhios  agaibh  gur  e 
losa  Criosd  ar  Tighearna  an  steidh  air  a 
bheil  an  eaglais  air  a  togail  ;  mar  sin  cha 
bhi  aon  agaibhse  gu  bi-ath  coltach  ri  eaglais 
mur  bheil  'ur  beatha  air  a  freumhachadh 
agus  air  a  steidheachadh  ann  an  Criosd. 

B'e  an  t-ainm  a  thug  na  cinnich  air  Seu- 
mas Chalmers,  Tdm.ate,  agus  is  e  so  mar  a 
fhuair  e  an  t-ainm.  An  uair  a  chaidh  e  air 
tir  ann  an  Raratonga,  fear  de  na  h-eileanan 
a  tha  air  an  ainmeachadh  air  a  mhar- 
aiche  ainmeil  Caiptein  Cook,  anns  an 
aird  an  ear-dheas  air  Samoa  (tha  fhios 
agaibh  a  nis  c'aite  a  bheil  Raratonga,  far 
an  do  shaothraich  Seumas  Chalmers  fad 
dheich  bliadhna)  thainig  muinntir  an  aite 
mu'n  cuairt  air  mar  gu'm  biodh  sgaoth 
sheilleinean,  a'  foighneachd  'nan  cainnt 
fhein  CO  e,  agus  cia  b'  ainm  dha,  agus  ciod 
a  thug  do'n  eilein  e.  Dh'    innis  e  ainm 

dhaibh,  Seumas  Chalmers,  agus  anns  a' 
mhionaid  ghlaodh  fear  dhiubh,  Tdmate, 
Tdmate,  agus  e  anabarrach  mor  as  fhein 
gu'n  rachadh  aige  air  ainm  an  duine  ghil  a 
radh  gu  ceart.  Lean  an  t-ainm  Tdmate  ri 
Seumas  Chalmers  gu  brath  tuilleadh.  A 
bheil  cuimhne  agaibh  air  an  ainm  a  thug 
muinntir  Shamoa  air  R.  L.  Stevenson?  B'e 
an  t-ainm  a  bha  aca  airsan,  Tusitala;  fear- 
iiinseadh  sgeulachdan. 

So  mar  a  sgriobh  R.  L.  Stevenson  mu  obair 
nan  soisgeulaichean  anns  na  cearnaibh  ud ; — 
"  M'an  tainig  mi  do  na  h-eileanan  so  bha 
beachdan  docharach  agam  a  thaobh  mhission- 
araidhean,  agus  droch  bharail  air  an  obair, 
ach  cha  luaithe  a  chunnaic  mi  an  obair  agus 


na  daoine  le  mo  shuilean  fhein  na  dh'  athar- 
raich  mi  mo  bheachd.  Cha'n  'eil  ann  an 
cainnt  nan  daoine  a  bhios  a'  cur  sios  air 
missionaraidhean,  agus  air  an  obair,  ach 
glagaircachd  gun  tur. ' '  Theagamh  gu'n  tuig 
sibh  a  nis  ciod  a  tha  am  facal  so  a'  ciallach- 
adh.  Cha  bu  mhaith  le  aon  agaibhse  a  bhi 
'n  ur  glagairean,  agus  cha  mho  a  bu  mhaith 
leibh  a  bhi  gun  tdr ;  feuchaibh,  niata,  nach 
bi  sibh  a'  cur  sios  air  missionaraidhean ; 
daoine  nach  airidh  sibhse  no  mise  air  barr- 
iall    am  broige  fhuasgladh. 

Tha  moran  dhaoine  an  dull  nach  'eil  ann 
am  beatha  soisgeulaiche  ach  beatha  bhochd ; 
beatha  gun  sunnd,  gun  aighear,  gun  fheum. 
Saoilidh  iad  nach  'eil  an  obair  a  tha  na 
soisgeulaichean  a'  deanamh  an  dara  leth  cho 
inntinneach  no  cho  feumail  ri  obair  sheolad- 
airean  agus  luchd-lagha  agus  mharsantan. 
Ach  cha  'n  ann  mar  sin  idir  a  tha.  Cha  'n 
abair  mise  nach  'eil  feum  ann  an  obair 
mharsantan,  ach  is  ann  daibh  fein  a  tha  a' 
chuid  as  moth  a  de'n  bhuannachd  a  tha  lean- 
tuinn  an  saothrach.  Ach  ged  nach  dean 
missionaraidh  gu  brath  fortan  mar  a  dh' 
fhaodas  marsanta  no  fear-lagha  a  dheanamh, 
tha  an  obair  a  tha  e  a'  deanamh  a'  toirt  dha 
cothrom  air  inntinn  a  thoirt  suas  do  na 
nithean  as  airde,  air  maith  a  dheanamh  d'a 
cho-chreutairean,  agus  air  a  laithean  a  chur 
seachad  a  comh-oibreachadh  maille  ri  Criosd. 

An  aite  a  bhi  cur  seachad  am  beatha  gu 
dlomhaineach,  gun  dad  aca  ri  dheanamh  ach 
a  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill  do  dhaoine 
dubha  nach  'eil  'ga  thuigsinn,  tha  fichead  rud 
eile  aig  na  soisgeulaichean  a  tha  dol  thairis 
ri  dheanamh ;  tha  obair  aca  a  chumas  an 
inntinn  agus  an  lamhan  trang  a  h-uile 
mionaid  de'n  latha.  Le  lamhan  fhein  thog 
Seumas  Chalmers  sgoilean  anns  an  do  theag- 
aisg  e,  agus  eagiaisean  anns  an  do  shear- 
uionaich  e.  Theagaisg  e  do'n  chloinn  leugh- 
adh, is  grammar,  is  cunntas,  cho  mhaith  's 
a  theagaisg  e  dliaibh  am  BiobuU ;  agus 
sgriobh  e  na  leabhraichean  leis  an  robh  e  'gan 
teagasg.  Dh'  eadar-theangaich  e  dhaibh  am 
Biobull  ;  dh'  ionnsaich  e  dhaibh  tuagh,  is  tal, 
is  lochdair,  is  sluasaid,  is  acfhuinn  eile  leis  an 
deanadh  iad  obair,  a  laimhseachadh ;  dh' 
ionnsaich  e  dhaibh  geolachan  a  thogail,  agus 
an  talamh  aiteachadh,  agus  bhiodh  e  fhein 
agus  a  bhean  'gan  dotaireachd  an  uair  a 
bhiodh  iad  tinn.  Ach  fad  na  h-iiine  bha  a 
shiiil  agus  a  chridhe  socruichte  air  a  chrich 
araidh  so,  sluagh  nan  eileanan  ud  a  chosnadh 
do  Chriosd.  Dh'  fhaodadh  e  a  radh  mar  a 
thubhairt  Pol,  "  mise  'nam  sheirbhiseach 
dhaibh  air  son  losa." 

Bha  sibhse  uile,  a  dhaoine  oga  ris  a  bheil 
mise  a'  seanchas  an  drasd,  bha  sibh  air  bhur 
baisteadh  ann  an  ainm  an  Tighearna  losa 
Criosd,  agus  tha  sin  a'  ciallachadh  gu'n  do 


choisrig  'ur  paiantan  sibh  do  Dhia  an  uair 
a  bha  sibh  'n  'ur  leanaban.  Cuimhnichibh  'ur 
sin;  na  dichuinihnichibh  gu  brath  gu'n  do 
bhaisteadh  sibh  ann  an  ainm  an  Athar  agus 
a  Mhic  agus  an  Spioraid  Naoimh,  agus  an 
uair  a  bhios  sibh  a'  deanamh  suas  'ur  n-inn- 
tmn  ciod  a  theid  sibh  thuige  'n  'ur  beatha, 
CO  dhiubh  a  theid  sibh  gu  marachd,  Uo  gu 
saorsainneachd,  no  gu  cleii-sinneachd,  no  gu 
dotaireachd,  cuimhnichibh  gu  bheil  a'  cheud 
choir  aig  Dia  air  'ur  seirbhis,  mar  chloinn  a 
bha  air  'ur  saoradli  le  a  Mhac  agus  air  'ur 
baisteailh  le  a  Spiorad.  Agus  cuimhnichibh 
cuideachd  nacli  'eil  obair  eile  air  an  t-saoghal 
as  feumaile  agus  as  cliuiticlie  na  obair  nan 
soisgeulaichean  a  tha  dol  le  Facal  Dhe  a  dh' 
ionnsuidh  nan  cinneach. 

Cha  'n  'eil  feum  air  ])ith  aig  an  eaglais  air 
gillean  oga  a  tha  leasg  is  lunndach,  no  gun 
sgoinn  ;  cha  'n  'eil  feum  aice  air  oigridh 
nach  fhtriling  fuachd  no  sgios  no  cruadal ; 
ach  tha  feum  aice  air  gillean  oga  a  bhios  'n 
an  deagh  shaighdearan  losa  Criosd,  agus  a 
tha  toileach  am  beatha  a  choisrigeadh  do 
Dhia.  Anns  an  eaglais  gheibh  an  seorsa  sin 
cothrom  air  seiidjhis  a  dheanamh  do  Dhia 
agus  do  dhiadhaidheach  nach  fhaigh  iad 
anns  a'  mharsantachd.  Tha  feum  air  gach 
seorsa  dhaoine mar  mhissionaraidhean  ;  sear- 
monaichean,  ard-sgoilearan,  saoir,  goibh- 
nean,  maighstirean-sgoile,  dotairean,  nigh- 
eanan  a  ni  cocaireachd  agus  banaltradh. 

Chumadh  e  ro  fhada  sibh  na'n  toisichinn 
air  innseadh  dhuibh  mu'n  Chogadh  Naomh 
a  chuir  Seumas  Chalmers  air  aghaidh  an 
eileanan  a'  Chuain,  cogadh  an  aghaidh  nan 
cleachdannan  uamhasach,  agus  nam  beachdan 
cearr  a  bha  aig  na  daoine  mu  Dhia  agus  mu 
shaoghal  nan  Spiorad.  Faodaidh  sibh  sin 
uile  a  leughadh  ann  an  leabhar  beag  boidh- 
each  a  bha  air  a  sgriobhadh  uime,  leabhar 
nach  cosd  dhuibh  ach  tri  tasdain  agus  sia 
sgillinnean,  a'  phris  a  bhios  daoine  gorach 
a'  toirt  air  tri  gloineachan  uisge-bheatha. 

Anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh  d'a 
bheatha  dh'  fhuiling  e  moran  cruadail  'na 
bhodhig  agus  moran  amhghar  'na  chridhe, 
ach  riamh  cha  do  rinn  e  gearan  an  aghaidh  a 
ciirannchur,  agus  cha  mho  a  laigh  sprochd  air 
inntinn.  Bha  e  a'  feuchainn  ri  dorsan  iira 
fhosgladh  air  son  an  t-soisgeil  am  measg 
threubhah  a  bha  coimheach  agus  borb  ris. 
Gu  bitheanta  bha  a  bhean  tinn  ;  bha  a  chorp 
fhein  air  a  phianadh  le  fiabhrus  is  Ipinidh, 
agus  bha  an  obair  sgitheil  agus  trom.  Cha 
b'  urrainn  daibh  earbsa  air  bith  a  chur  as 
na  daoine  a  bha  iad  'n  am  measg,  agus  dh' 
fheumadh  e  air  uairean  a  shuilean  a  chumail 
fosgailte  an  uair  a  bhiodh  e  ag  urnuigh,  air 
eagal  gu'n  cuireadh  iad  sleagh  no  saighead 
ann. 

Ann    an  1900  shiubhail  a  bhean,  agxis  an 


ath  bhliadhna  bha  e  fhein  agus  companach 
a  bha  comhla  ris  air  am  mort.  Bha  an 
cuirp  air  am  bruich  agus  air  an  itheadh 
uair  an  uaireadair  an  deidh  dhaibh  a  bhi 
marbh. 

Chuir  Breatunn  long-chogaidh  a  null  a 
thoirt  a  mach  aichmheil,  ach  b'  fhearr  gu  mor 
an  rud  a  rinn  fear  de  mhuinntir  nan  eilean- 
an ud  fhein,  duine  a  bha  air  iompachadh  fo 
shearmonachadh  Sheumas  Chalmers  ann  an 
Raratonga.  Dh'  iarr  e  cead  dol  do'n 
bhaile  anns  an  do  mhortadh  a  mhaighstir, 
agus  a  bheatha  a  chur  seachad  ann,  a'  cur 
an  ceill  an  t-soisgeil.  Sin  da  rireadh 
spiorad  Chriosd,  agus  spiorad  a'  chroinn- 
cheusaidh  ;  agus  sin  cuideachd  mar  tha  an 
eaglais  a'  fas,  air  a  togail  air  fuil  nam  mar- 
tarach. 

Gu  deimhin  is  mor  am  fogharadh,  ach  is 
tearc  an  luchd-oibre.  Guidhibh,  mata,  air 
Tighearna  an  fhogharaidh  luchd-oibre  a 
chur  a  mach  a  chum  fhogharaidh  fhein.  Co 
agaibhse,  a  dhaoine  oga,  a  tha  glic  agus  a 
bbeir  fa-near  na  nithean  sin ;  c6  agaibh  a 
dh'  eisdeas  ri  gairm  an  Tighearn  agus  a 
their  'n  'ur  cridhe  a  nochd,  "  Feuch,  tha 
mise  an  so;  cuir  fios  leam-sa. " 


IAIN  MAC  CARMAIC  NACH  MAIREANN. 


Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  de'n 
leabhar  so,  air  duilleagan  na  Beurla,  bha 
iomradh  air  a  dheanamh  air  a  chall  a 
thainig  air  an  eaglais  le  bas  an  Urramaich, 
Dughall  Cleireach,  B.D.,  ministear  na  h- 
eaglais  mhoir  a  tha  ann  an  Springburn,  an 
Glaschu.  Agus  a  nis  tha  sgeul  bhronach  eile 
air  ar  ruighinn,  gu'n  do  chaochail  an 
t-Urramach  Iain  Mac  Carmaic,  B.D.,  minis- 
tear  Airclchattain.  Bha  Diighall  Cleireach 
agus  Iain  Mac  Carmaic  'n  an  companaich 
anns  an  Oilthigh,  an  Glaschu ;  chiim  iad  suas 
an  cairdeas  agus  an  companas  sin  ann  an 
laithean  am  ministi-ealachd  anns  an  eaglais, 
agus  a  nis  cha'n  'eil  iad  dealaichte  'n  am 
bas,  oir  thainig  a'  ghairm  dheireannach 
thuea  le  cheile  an  taobh-arstigh  de  shia 
seachduinnean,  agus  gun  am  fear  a  bu  shine 
aca  ach  ceithir  bliadhna  thairis  air  an  leth- 
cheud. 

B'e  dithis  eile  d'an  companaich,  an 
t-Urramach  Iain  Mac  Giogair,  a  bha  ann  an 
eaglais  an  Naoimh  Oran,  an  Duneideann, 
agus  an  t-Urramach,  Colla  Domhnullach, 
B.D.,  ministear  an  Lagain,  an  AthoU. 
Chuir  an  cogadh  ci'ioch  air  Iain  Mac  Grio- 
gair,  air  chor  agus  nach  'eil  an  diugh  a 
lathair  de'n  cheathrar  so  ach  Colla  Domh- 
nullach. 

Bha  iad  uile  'n  an  daoine  mora  dreach- 
mhor.  cho  luath  laidir  'n  am  bodhig  's  a  bha 


iad  'n  an  inntinn,  agus  tbeiveadh  (hiine  air 
bith  gu'iu  faodadh  tiiigbair  a  bhi  aca  ri 
laitbean  fada  fbaotainn  air  Ibalanih,  agus  ]i 
seirbbis  inhaith  a  dheanamb  anns  an  eaglais. 
Ach  ged  a  rinn  iad  nile  deagb  sheirbhis  far 
an  do  Ibnit  an  cranncbur,  cba  robh  e  "s  an 
dan  do  tbriiiir  dhinbb  co-dhiu  waoghal  fada 
fhaotainn,  agus  cba'n  'eil  againn  an  diugb 
ach  a  bhi  snuiaineacliadh  cho  dionibuan  's  a 
tha  beatha  nihic  an  duine. 

Na'n  robh  nine  agam  a  dheanamb  dh'  iar- 
rainn  air  duine-eigin,  d'  am  b'  aithne  Iain 
Mac  Carmaic  na  b'  fhearr  na  b'  aithne 
dhomh  fhein  e,  sgriobhadh  uime  air  an  duil- 
leig  so.  Ach  cha'n'eil  iiine  air  sin  a  dhean- 
amb. 

Ach  ged  nach  robh  an  <-eo]as  blatJi  is  diumh- 
aji*  agam  air,  a  tha  agam  air  fear  no  dha 
eile  anns  an  eaglais,  b'  aithne  dhomh  e  gu 
maitli,  agus  bu  ro  thoigh  leam  e.  Bhitheam- 
aid  a'  coinneachadh  aig  iomadh  seorsa  coin- 
nimh ;  aig  an  t-Seanadh,  agus  aig  Comadaidh- 
ean,  agus  an  aitean'eile,  agus  bu  toigh  leam 
riamli  seanchas  a  bhi  agam  ris.  Agus  bu 
duine  e  nach  robh  uair  air  bith  cho  driopa- 
's  nach  robh  iiine  aige  air  seanchas  a  dhean- 
amb r'a  bhraithean.  Coma  leam  na  peasain 
bheaga  a  chi  thu  'n  an  trotan  gu  dorus  son- 
ruichte  air  Sraid  n'  a  Banrigh  an  Duneid- 
eann,  agus  baga  beag  ruadh  's  an  dara  laimh 
aca  is  dorlach  phaipearan  anns  an  laimh  eile, 
mar  nach  gabhadh  dad  cur  air  aghaidh  gus 
an  ruig  iadsan,  agus  mar  nach  biodh  dad 
ceart  mur  bheil  lamb  is  facal  acasan  ann  ! 
Cha  b'  ann  de'n  t-seorsa  sin  Mac  Carmaic  ; 
ann  an  laitbean  oige  ann  am  Muile  dh'ith  e 
freumh  de  luibh  na  feallsanachd  air  chor 
agus  gu'm  b'  aithne  dha  f  ois  a  shealbhachadh 
'n  a  spiorad,  agus  tosdachd  a  chumail  le 
bheul,  agus  eadhon  lochdan  beag  cadail  a 
dheanamb,  aig  coinneamhan  far  am  biodh  na 
peasain  bheaga  ri  goileam  is  glagais  mar 
gu'm  biodh  cudthrom  an  t-saoghail  air  an 
guaillean. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  maith  agus  'n  a  dhuine 
turail.  Cha  chuala  mise  riamh  e  a'  searmon- 
achadh,  ach  tha  fhios  agam  gu  robh  Gaidhlig 
mhaith  aige,  agus  bha  e  air  a  radh  gu'n  robh 
e  'n  a  shearmonaiche  maith  ann  an  Gaidhlig. 
D'a  ghineil  fhein  de  mhinistearan  Gaidheal- 
ach  b'e  am  fear  a  b'  fhaide  a  dh'  fhan  ann 
an  sgireachd  Ghaidbealach,  ged  nach  cluinn- 
teadh  e  a'  togail  a  ghutha  no  a'  deanamh 
boilich  no  barraghloir  mu'n  Ghaidhlig  aig 
Mod  no  Seanadh.  Bha  e  bliadhnachan  ann 
an  eaglais  an  Naoimh  Ciaran,  an  Govan,  m' 
an  deachaidh  e  do  Aii-dcbattain,  ach  is  ann 
ann  an  cluaintean  gorma  Mheadarloch  agus 
laimh  ri  uisgeachean  ciiiin  Loch  Eite  a  chuir 
e  seachad  a  chuid  a  b'  fhearr  d'a  mhinistreal- 


achd.  Bidh  e  air  ionndrainn  gu  nior  an 
Cleir  Lathurna. 

Na'n  robh  na  bu  mhotha  de'n  rud  ris  an 
abair  na  Goill  ambition,  agus  na  bu  lugha 
de'n  rud  ris  an  abair  na  Gaidheil  an  athais, 
ann  an  Iain  Mac  Carmaic,  theagamh  gu'm 
biodh  e  'n  a  dhuine  a  b'  ainmeile  anns  an  eag- 
lais na  bha  e,  ach  anns  na  laitbean  driopail  so 
anns  a  bheil  cor  an  t-saoghail  a'  cur  barr- 
achd  dragha  air  daoine  na  tha  cor  an  anama 
fein,  anns  a  bheil  a  h-uile  duine  cho  trang 
a'  cur  dhaoine  eile  ceart  's  nach  'eil  iiine 
aca  an  aire  a  thoirt  air  an  gnothuch  fhein, 
no  na  feanntagan  a  tha  'nan  garradh  fhein  a' 
spionadh,  is  solasach  an  rud  e  tachairt  air 
duine  d'  an  aithne  an  saoghal  a  ghabhail  gu 
reidh,  agus  obair  fhein  a  dheananA  gu  samh- 
ach,  gun  iarraidh  aige  air  a  chorrag  a  chur 
ann  an  gnothuichean  nach  buin  dha. 

Bha  Iain  Mac  Carmaic  'n  a  dhuine  reidh 
coir ;  fior  dhuine  nasal  anns  nach  robh 
go,  no  fuachd,  no  farmad.  Rinn  mi 
fhein  agus  Colla  Domhnullach  suas  r'a 
cheile  an  uiridh  gu'n  deanamaid  mar 
a  bhios  na  daoine  mora  eile  a'  dean- 
amh, Moderators  agus  an  seorsa  sin  ; 
gu'n  rachamaid  air  chuairt  fad  seachduin  do 
Chleir  Lathurna,  agus  gu'n  cuireamaid 
seachad  oidhche  ann  am  Manse  Airdchattain. 
Thainig  rud-eigin  am  ratbad-sa  a  chum 
air  m'  ais  mi  gun  dol  comhla  ri  m'  choimh- 
earsnach,  ach  tha  mi  a  nis  duilich  nach  d' 
fbuair  mi  dol  a  cfh'fhaicinn  Mhic  Carmaic 
aig  an  am. 

Bha  e  greis  anns  a'  chogadh,  thall  am 
Macedonia,  agus  riamh  bhuaith  sin  cha  robh 
e  gu  maith  ;  bha  briseadh  a'  tighinn  air  a 
shlainte  an  drasd  's  a  rithist.  Air  uairean 
bhiodh  sgeul  mhaith  m'a  shlainte  a'  dol  a 
mach,  ach  a  reir  choslais,  bha  ciiisean  na 
bu  mhiosa  na  shaoil  sinn,  agus  thainig  a' 
cbrioch  air,  Disathuirne,  an  naoieamh  la  de 
lanuari. 

TRIG   AN   T-EARRACH. 


Tha   ar  beatha   breoite,   gearr  ; 
'S  faisg  an  geamhi'adh  is  an  t-eug; 
'S  mar  an  duilleag,  seargt'  air  lar, 
Tuitidh   sinne  bharr  nan  geug. 

Ach  ni  'n  talamh  diisgadh  suas; 
Tillidh  rithist  dreach  nam  flur, 
'S  .eiridh  nadur   as  an  uaigh, 
Beo  le  beatha  ghlormhor  iir. 

Dhuinne  fos  an  deidh  ar  fois, 
Thig   am-diisgaidh    aoibhneach,    mor, 
'S  gheibh  ar   feoil  an  dochas  clos 
Gu  ruig;  earrach  buan  na  Gloir', 


Air.    3. 


1926. 


AN  TEARC  IAD  A  SHAORAR? 

Cha  teid  a'  ghne  so  a  mach  ach  le     vrmiigh 

agus   trasgadh. 
TJeanaihh    spdirn  chruaidh   gu    dol  a   steach 

air  a'  gheata  chumhann. — losa  Criosd. 

An  la  roiinhe  aims  a'  phaipear-naigheachd 
leugh  mi  da  rud  a  chuir  gu  smuaineachadh 
mi.  Chuir  iad  gu  barrachd  smuaineachaidh 
mi  na  rinn  an  leabhar  moi'  a  tha  an  t-Ollamh 
W.   P.  Paterson  air  a  chur  a  mach. 

Ann  an  Lite  tha  buidheann  bhraithrean  an 
deidh  eaglais  iir  a  chur  air  chois,  eaglais 
anns  a  bheil  deamhain  air  an  tilgeadh  a  mach 
mar  a  bhiodh  losa  a'  deanamh  ann  an  laith- 
ean  fheola.  Aig  a'  cheud  sheirbhis  a  bha  aca 
dh'  eirich  nighean  6g  anns  a'  choimhthional, 
ag  asluchadh  saorsa  fhaotainn  bho  dheamh- 
au  a  bha  'ga  saruchadh.  Sheinn  an  coimh- 
thional  laoidhean  sonruichte  is  rinn  iad 
urnuighean,  agus  an  sin  ghlaodh  aodhair  a' 
choimhthionail,  an  t-abstol  Turnbull,  ris  an 
deamhan  le  guth  laidir,  "  A  spioraid 
fhoirneartaich  thig  a  mach  aisde  an  ainm 
losa."  Tri  uairean  as  deidh  a  cheile  dh' 
aithn  e  do'n  deamhan  tighinn  a  mach  aisde  ; 
aii  coimhthional  fad  na  h-uine  ag  urnuigh 
agus  an  cinn  crom.  An  ceann  greis  thuirt 
an  t-aodhair  gu'n  deachaidh  an  deamhan  a 
mach  as  an  nighinn,  agus  ghlaodh  moran 
anns  a'  choimhthional  Haleluiah. 

Is  e  eaglais  nan  abstol  a  their  iad  ris  an 
eaglais  uir  so;  a  reir  mar  a  dh'  innis  an  t- 
abstol  Turnbull  do  fhear  a'  phaipeir-naigh- 
eachd  tha  meur  dhi  ri  fhaotainn  an  iomadh 
baile  an  Albainn  a  thuilleadh  air  Lite. 
Thuirt  e  cuideachd  gu'm  b'  aithne  dha  na 
ficheadan  as  an  deachaidh  deamhain  a  thilg- 
eadh  a  mach;  gu'm  b'  aithne  dha  aon  duine 
6g  as  an  deachaidh  ochd  deamhain  a  mach ; 
agus  gu'n  cualas  deamhan  eile  a'  comhai'taich 
mar  gu'm  biodh  cu  an  uair  a  bha  e  air  a 
thilgeadh  a  mach  a  duine  sonruichte. 

Sin  agad,  a  leughadair,  a'  cheud  rud  a 
chuir  mise  gu  smuaineachadh  an  uair  a 
leugh  mi  anns  a'  phaipear  e,  gu  bheil  abstol 
ur  air  a  cheann  a  thogail  ann  an  Lite.  Agus 
b'e  an  ath  rud  a  chuir  gu  smuaineachadh 
mi,  gu  bheil  abstol  iir  eile  air  a  cheann  a 
thogail  ann  an  Lunnainn. 

Is  e  an  t-Anagarika  Dharmapala  a  their 
a  chuideachd  fhein  ris  an  abstol  so,  duine  a 
rinn  uiread  trasgaidh  's  gur  gann  a  tha 
feoil  idir  air  a  chnamhan,  agus  a  tha  nis 
air  tighinn  do  Lunnainn  a  dh'  fheuchainn  ri 


muinntir    Shasuinn    iompachadh    gu  bhi    a' 
deanamh   aoraidh  do'n  dia  Buddha. 

Cha  chuir  e  ionghnadh  air  bith  oirnn  a 
bhi  leughadh  mu  dheamhain  a  bhi  air  an 
tilgeadh  a  mach  ann  an  Decapolis  no  ann  an 
Capernaum,  agus  cha  mho  a  cliuireas  e 
ionghnadh  oirnn  gu  bheil  soisgeulaichean  a' 
dol  a  mach  as  an  duthaich  so  do  na  duth- 
channan  thall ;  ach  cuiridh  e  ionghnadh  gu 
leoir  oirnn  a  bhi  leughadh  mu  dheamhain  a 
bhi  air  an  tilgeadh  a  mach  ann  an  Lite,  agus 
cuiridh  e  ionghnadh  as  motha  oirnn  a  bhi 
faicinn  shoisgeulaichean  as  na  duthchannan 
thall  a  tighinn  thugainn  fhein.  Car  son  a 
bhiodh  an  da  rud  sin  'n  an  ciiis-ionghnaidh 
dhuinn?  Nach  'eil  fada  barrachd  dheamhan 
an  Lite  na  bha  riamh  an  Decapolis,  agus 
nach  'eil  a'  chuid  as  motha  againn  fo 
dhaorsa  na  feola  cho  buileach  's  gu'm  b' 
fhiach  dhuinn  suidhe  sios  aig  casan  duine  air 
bith  a  theagaisgeadh  dhuinn  ar  cuirp  a 
smachdachdadh  agus  ruighinn  air  an  t-sith 
a  thig  'na  lorg  sin. 

Is  ann  as  na  h-Innsibh  an  Ear  a  thainig  an 
t-Anagarika  Dharmapala ;  duine  ard  dreach- 
nihor  air  a  bheil  a  choslas  gu'n  d'  thug  e 
buaiclh  air  an  t-saoghal.  An  uair  a  bha  e 
'n  a  bhalach  bha  e  air  a  theagasg  ann  an 
sgoil  Chroisduidh  an  Ceylon,  agus  bha  meas 
nior  aig  air  an  luchd-teagaisg  agus  air  an 
teagasg  a  thug  iad  dha;  ach  la  an  sin, 
chunnaic  e  fear  de  na  missionaraidhean  a' 
glacadh  gunna  agus  a  losgadh  air  eoin 
bheaga, — agus  chuir  sin  air  ais  e  gu  creid- 
eamh  aithrichean  !  "Ach  air  a  shon  sin," 
ars'  esan,  "  bidh  mi  a'  leughadh  a'  Bhiobuill 
agaibhse,  leabhar  maith  is  leabhar  naomh 
anns  a  bheil  teagasg  d'a  bheil  mise  a'  toirt 
geill  le  m'  uile  chridhe.  Bu  mhaith  learn 
leantuinn  an  ceuman  Chriosd,  oir  bha  esan 
bochd,  gun  airgiod,  gun  dachaidh,  ach 
rainig  e  air  an  t-sith  sin  anns  a  bheil  a' 
blieatha  mhaireannach  ri  fhaotainn.  Rainig 
an  sar-thighearna  Buddha  air  an  t-sith  sin 
cuideachd ;  fad  she  bliadhna  rannsaich  e 
leabhraichean  nan  Aosda  a'  sireadh  gliocais 
agus  diomhaireachd  na  beatha,  ach  gliocas 
no  diomhaireachd  na  beatha,  cha  d'  fhuair 
e  anns  na  leabhraichean.  Ach  thainig  an 
solus  thuige  o'n  airde  direach  mar  a  thainig 
e  gu  Criosd,  agus  b'e  so  an  solus,  Tha  Hogk- 
achd  DM  an  taohh-a-stigh  dhiot." 

Ann  an  1922  bha  mi  aig  cruinneachadh 
mor  an  Glaschu  far  an  robh  diadhairean 
agus  daoine  ionnsaichte  as  gach  cearn  a'  cur 
an  comhairle  r'a    cheile   mu  chraobh-sg'aoil- 


10 


eadh  an  t-soisgeil.  Aig  a'  choinnimh  sin 
labhair  fear  a  thainig  as  na  h-Innsibh  an 
Ear,  duine  beag  dubh  d'  am  b'  ainm  K.  T. 
Pal ;  duine  nach  saoileadh  tu  gu'n  robh  dad 
ann  gus  an  do  thoisich  e  air  bruidhinn.  Ach 
cho  luath  's  a  dh'  fhosgail  e  a  bheul  dh' 
fhairich  mise  nach  robh  annam  fhein  ach  am 
paisde  laimh  ris,  agus  a  thuilleadh  air  sin 
nuch  robh  anns  na  maithean  eile  a  bha 
ci-uinn  as  na  h-eaglaisean  agus  as  na  h-oil- 
thighean  ach  na  paisdean  cuideachd  laimh 
ris  an  duine  ud.  Tha  e  anabarrach  eud- 
mhor  air  taobh  Chriosd  e  fhein,  agus  rinn  e 
obair  mhor  anns  na  h-Innsibh  an  Ear  cheana 
gus  an  rathad  a  reiteachadh  air  son  an  Tigh- 
earna,  ach  is  e  so  a  thug  orm  tarruing  a 
thoirt  air  an  drasd,  gu'n  d'  iarr  e  oirnn  a 
chuimhneachadh  gu  bheil  a'  cheart  uiread 
aig  Breatunn  ri  ionnsachadh  bho  na  h- 
Innsibh  an  Ear  a  thaobh  beatha  is  diadhaidh- 
eachd  's  a  tha  aig  na  h-Innsibh  an 
Ear  ri  ionnsachadh  bho  Bhreatunn.  Thuirt 
e  gu'n  robh  a  dhuthaich-san  deas  gu 
leoir  gu  gabhail  ri  teagasg  Chriosd,  agus 
nach  robh  ann  an  moran  de  theagasg  Chriosd 
ach  rud  a  bha  aca-san  cheana,  ach  thuirt  e 
cuideachd  nach  gabhadh  a  dhuthaich-san  gu 
brath  ris  an  t-seorsa  diadhaideachd  a  tha  a' 
mhor-chu(ideachd  de  mhuinntir  Bhreatuinn 
a'  cleachdadh.  Thuirt  e  ruinn  suil  mu  'n 
t-sroin  nach  e  teagasg  Chriosd  a  bha  sinn 
idir  a'  leantuinn  anns  an  diithaich  so;  nach 
robh  sinn  a'  tuigsinn  a  theagaisg,  air  neo 
gu'n  robh  sinn  'ga  fhiaradh. 

A  bheil  sin  fior  ?  Am  faod  e  bhith  gur  e 
sin  an  t-aobhar  gu  bheil  an  t-abstol  Turn- 
bull  air  toiseachadh  air  deamhain  a  thilgeadh 
a  mach  an  Lite,  agus  gur  e  sin  an  t-aobhar 
gu'n  tainig  an  t-Anagarika  Dharmapala  a 
h-uile  ceum  as  na  h-Innsibh  an  Ear  a  theagasg 
na  fir  inn  duinn.  An  e  am  fiaradh  no  an 
dearmad  a  tha  sinne  a'  deanamh  air  teagasg 
Chriosd  a  thug  dhaibhsan  an  cothrom? 

Sin  agad  ceist,  a  leughadair ;  ceist  a  b' 
fhearr  do  na  diadhairean  mora  cnuasachadh 
oirre  seach  iomadh  rud  suarrach  air  am  bi 
iad  a'  deasbud  ! 

Cha  'n  abair  mise  dad  mu  na  cleanxhain, 
oir  tha  m'  inntinn  gun  solus  air  a'  chuis, 
ach  a  thaobh  na  codach  eile  tha  amharus 
agam  gu  bheil  freumh  de'n  fhirinn  anns  na 
thuirt  K.  T.  Pal,  agus  gu  bheil  sinn  a'  cur 
a'l  datha  a  chordas  ruinn  fhein  air  teagasg 
Chriosd.  Agus  tha  sinn  a'  deanamh  sin  a 
chionn  gur  maith  leinn  an  diadhaidheachd 
a  dheanamh  na's  fhasa  na  tha  i  ann  an  da- 
rireadh,  agus  dol  a  steach  do  rioghachd  neimh 
gun  spairn  chruaidh  a  dheanamh.  Anns  a' 
ghineil  so  cha  toigh  le  daoine  a  bhi  fo 
riaghladh  neach  fo'n  ghrein ;  cha  toigh  leis 
a'  chloinn  fhein  a  bhi  fo  smachd  am  paran- 


tan;  is  e  rim  ar  cridhe  gu'm  biodh  toil  gach 
duine  'n  a  lagh  dha  fhein,  agus  mar  sin  tha 
daoine  a'  tilgeadh  gach  cuing  dhiubh,  eadhon 
cuing  Chriosd,  agus  a'  saoilsinn  gu'm  meal 
iad  sith  is  buaidh  'n  an  anam  gun  an  cuirp 
agus  an  cridheachan  a  smachdachadh.  .'^ch 
tha  sin  calg-dhireach  an  aghaidh  teagasg  an 
Tiomnaidh  Nuaidh. 

Tha  fichead  rud  ann  an  gnaths  na  diithcha 
so  an  diugh  a  tha  'ga  dheanamh  anabarrach 
duilich  do  dhaoine  geill  a  thoirt  do  Chriosd 
no  d'a  theagasg;  cho  duilich  agus  nach  'eil  a' 
mhor-chuideachd  eadhon  a'  feuchainn  ris. 
Na  nithean  a  thoirmisg  esan  is  toigh  leinne 
iad ;  tha  gaol  againn  uile  orra  mar  dhaoine 
agus  mar  rioghachd ;  tha  gaol  againn  air  air- 
giod,  agus  air  inbhe,  agus  air  gloir  shaogh- 
alta ;  is  toigh  leinn  gu'm  faiceadh  daoine  eile 
cho  mor  agus  oho  laidir  's  a  tha  jinn ;  is 
toigh  leinn  gu'n  deanadh  iad  am  beic  dhuinn. 
Agus  air  an  laimh  eile,  na  nithean  a  mhol 
Criosd  agus  air  an  robh  gaol  aige,  cha  toigh 
leinne  iad  idir ;  tha  eagal  againn  romhpa, 
agus  b'  fhearr  leinn  dol  do  Mhanitoba  seach 
saothrachadh  air  an  son.  B'  fhearr  leinn 
fada  cian  a  bhi  coltach  ri  Alastair  Mor  na 
Greige  na  bhi  coltach  ri  Nataniel. 

Ma  theid  Righ  Deorsa  a  mach  agus  ad 
ruadh  air,  an  ceann  beagan  iiine  cha  bhi  a 
bheag  de  dhaoine  anns  an  duthaich  air  nach 
fhaic  thu  ad  ruadh,  oir  is  toigh  le  uaislean 
agus  islean  fasan  an  rlgh  a  leantuinn.  Ach 
feuch  an  do  lean  iad  e  an  uair  a  chuir  an 
righ  fion  agus  uisge-beatha  bharr  a  bhuird 
an  am  a'  chogaidh  !  Cha  do  lean  idir,  agus 
c'ar  son  nach  do  lean?  Tha,  a  chionn  gu 
bheil  ar  daoine  gaolach  air  an  fhion  agus 
nach  biodh  e  furasda  dhaibh  tighinn  as 
eugmhais  an  drama.  Sin  agad  an  t-aobhar. 
Leanaidh  iad  fasan  an  righ  an  uair  a  chuir- 
eas  e  air  ad  ruadh,  a  chionn  gu  bheil  sin 
furasda  gu  leoir  a  dheanamh,  ach  feuch  an 
lean  eadhon  muinntir  an  airm  e  an  uair  a 
tha  sin  a'  ciallachadh  gu'm  feum  iad  an 
anamiannan  a  smachdachadh. 

Sin  agad,  a  leughadair,  mar  tha  daoine  a 
thaobh  teagasg  Chriosd.  Gabhar  ris  a' 
chuid  dheth  a  tha  freagairt  air  ar  doighean 
agus  air  ar  n-inntinnean  fhein ;  ri  rannan 
a  tha  deanamh  na  diadhaidheacd  furasda, 
ach  nithear  a  leithid  de  dhichuimhne  agus  de 
shuarrachas  air  a'  chuid  eile  dheth  's  gu'm 
feum  an  t-Anagarika  Dharmapala  tighinn  o 
thaobh  eile  an  t-saoghail  a  dh'  innseadh 
dhuinn  ciamar  a  gheibhear  an  t-sith  a  tha  o 
shuas,  agus  buaidh  thairis  air  an  fheoil  agus 
air  an  olc,  ged  tha  sin  uile  sgriobhta  anns  na 
sgriobturan  againn. 

Na'm  faigheadh  tu  a  steach  do  chridh- 
eachan  dhaoine,  ard  is  iosal,  sean  is  6g, 
creidmhich   is   ana-creidmhich,    mar  tha  iad 


11 


ann,  tha  mi  an  duil  gur  e  an  aon  ni  as  motha 
a  tha  iarraidh  aca  air,  airgiod ;  airgiod  agus 
gu  leoii-  dheth.  Is  e  airgiod  do  dhaoine  nn 
diugh  an  rud  ris  an  abradh  Criosd  riogh- 
achd  neimh.  An  spairn  as  motha  a  tha 
daoine  a'  deanamh  an  diugh  is  ann  air  son 
airgid.  Giiilainidh  iad  cuing  air  bith 
agus  fuilingidh  iad  cruadal  air  bith  air 
ghaol  airgiod  a  dheanamh ;  cuing  agus 
cruadal  nach  giulaineadh  agus  nach  fuiling- 
eadh  iad  air  ghaol  ruighinn  air  irioslachd 
no  air  macantas.  Agus  is  e  an  rud  as  motha 
a  chuireas  de  eagal,  agus  de  uamhas,  agus 
de  naire  orra,  bochdainn  'n  an  crannchur. 
B'  fhearr  leo  gluasad  ann  an  slighean  gle 
cham  seach  a  bhi  bochd  am  fianuis  an 
t-saoghail.  Co  as  a  fhuair  iad  an  gaol  sin 
air  airgiod  agus  an  t-uamhas  sin  roimh 
bhochdainn?  Agus  cianiar  as  urrainn  daibh 
Criosd  a  thuigsinn  no  leantuinn,  no  ciamar 
aii  urrainn  daibh  co-chomunn  a  bhi  aca  ri 
inntinn-san  cho  fhad  agus  a  tha  iad  sg 
altrum  nan  smuaintean  agus  nam  faireach 
duinnean  sin  'n  an  cridhe.  Tha  a  theagasg- 
san  calg-dhireach  'n  a  aghaidh  sin,  ach  a  dh' 
aindeoin  gach  facal  a  labhair  e  air  a'  chus- 
pair  so,  ag  innseadh  do  dhaoine  nach  ann 
am  pailteas  nan  nithe  a  tha  e  a'  sealbhachadh 
a  tha  beatha  an  duine,  tha  an  saoghal  a' 
gabhail  a  rathaid  fhein  agus  a'  cunntas 
mar  an  sonas  as  airde  nithean  nach  do 
bheannaich  Criosd.  Daoine  a  bhios  a'  so- 
cruchadh  an  cridheachan  air  nithean  a  bha 
suarrach  an  suilean  Chriosd,  sin  agad 
daoine  nach  tii 
bhriathran-san. 


ANNS  A  CHATHAIR. 


Tha  da  sheorsa  daorsa  anns  a  bheil  moran 
dhaoine  a'  cur  seachad  am  beatha;  (1)  tha 
iad  fo  dhaorsa  an  fhacail  a  leughas  iad  ann 
am  paipear  no  ann  an  leabhar,  agus  (2)  tha 
iad  fo  dhaorsa  an  fhacail  a  their  an  dotair 
riu.  Ach  is  e  comharradh  na  h-inntinn 
fhallain,  na  paipearan  agus  na  dotairean  a 
chumail  'n  an  aite  fhein, — seirbhisich  a 
dheanamh  dhiubh  an  aite  a  bhi  'n  am  maigh- 
stirean  oirnn. 

Bha  mise  mi  fhein  uair  no  dha  ann  an 
lamhan  dhotairean,  agus  is  e  an  leasan 
sonruichte  a  dh'  ionnsaich  mi  bhuaith  sin, 
nach  e  mhain  gu'm  faod  dotairean  a  bhi  air 
am  mealladh  ach  gu  bheil  iad  air  am  meall- 
adh  trie  gu  leoir.  Tha  seorsachan  tinneis 
ann  a  tha  iad  a'  tuigsinn  gu  maith,  agus 
anns  nach  teid  m^ran  dhiubh  cearr,  ach  tha 
fichead   diomhaireachd    ann    an    oibreachadh 


nam  ball  a  tha  an  taobh-a-stigh  dhinn,  cuis- 
lean  is  feithean  is  smior  is  airnean,  nach  'eil 
iad  a'   tuigsinn  na's  mo  na  sinn  fhein. 

Na  leig  thusa,  mata,  a  leughadair  le 
dotair  air  bith  na  fiaclan  a  thoirt  asad  gun 
f hios  c'  ar  son.  Tha  faisain  am  measg  nan 
dotairean  a  cheart  cho  mhaith  's  a  tha  fasain 
am  measg  nan  caileagan  a  bhios  a'  bobadh 
an  cinn  gus  a  bheil  na  cinn  mhaol  ghrannda 
aca  coltach  ris  na  roin.  Sin  am  fasan  as 
uire  aig  na  dotairean  an  drasd ;  mur  bheil 
iad  cinnteach  ciod  a  tha  cearr  air  duine, 
bheir  iad  na  fiaclan  as  a  dh'  fheuchainn  an 
fheairrd  e  sin.  Ach  tha  na  fiaclan  coltach 
ris  na  craobhan ;  cha  ghabh  iad  cur  'n  an 
aite  a  ris  an  uair  a  splonar  as  am  bun  iad. 

Ma  their  dotair  gu  brath  riutsa,  a  leughad- 
air, nach  'eil  do  chridhe  no  do  sgamhan 
laidir  gu  leoir  air  son  obair  do  bheatha, 
feuch  nach  suidh  thu  fo  chraoibh-aiteil  agus 
nach  caill  thu  do  mhisneach ;  rach  agus  f  aigh 
comhairle  eile.  Sin  a  rinn  Uilleam  Robert- 
son Nicoll  nach  maireann  an  uair  a  thug  Sir 
Lauder  Brunton  droch  mhisneach  dha,  agus 
a  thuirt  e  ris  nach  biodh  e  beo  na'm  fanadh 
e  ann  an  Sasunn.  Bha  te  de  na  lungs  aig 
Nicoll  dona,  agus  bhiodh  e  a'  cur  a  mach 
beagan  fala  a  bha  tighinn  aisde,  ach  an  uair 
a  dh'  fhag  e  Sir  Lauder  Brunton  chaidh  e 
direach  air  a  cheum  gu  Sir  Anndra  Mac  A' 
Chleirich,  dotair  mor  eile.  Thuirt  an  duine 
sin  ris  nach  robh  eagal  air  bith  dha  na'm 
biodh  e  curamach,  agus  gu'm  faodadh  e 
uiread  sgriobhaidh  a  dheanamh  's  a  thoilich- 
eadh  e.  Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  uile  ciod 
an  obair  a  rinn  Sir  Uilleam  Robertson  Nicoll 
fad  iomadh  bliadhna  an  deidh  do  na  dotair- 
ean binn  a  bhais  a  thoirt  a  mach.  Bha  e 
05  cionn  dha  dheiig  is  tri  fichead  an  uair  a 
shiubhail  e. 

Bha  aon  chleachdadh  maith  aig  Sir 
Uilleam  Robertson  Nicoll  a  b'  fhiach  do 
dhaoine  eile  a  leantuinn ;  bhiodh  e  an  drasd 
's  a  rithist  a'  fantuinn  anns  an  leabaidh  fad 
ai  latha.  Ach  ged  bhiodh  e  anns  an  leabaidh 
cha  bhiodh  e  'n  a  thamh.  Bhiodh  torr 
leabhraichean  is  phaipearan  anns  an  leabaidh 
comhla  ris,  agus  is  ann  mar  sin  a  sgriobh  e 
cuid  de  na  litrichean  a  bha  toirt  uiread 
tlachd  do  dhaoine  an  uair  a  bhiodh  iad  'g 
an  leughadh  anns  a'  phaipear  a  bha  e  a' 
deasachadh,  am  "  British  Weekly." 

Bu  choir  do'n  h-uile  duine  glic  fantuinn 
anns  an  leabaidh  fad  an  latha  le  thoil  fhein 
uair  no  dha  's  a'  mhios.  Ach  a  thaobh  nan 
daoine  nach  'eil  glic,  na  peasain  bheaga 
usaideach  a  bhios  an  corrag  agus  am  facal 
anns  gach  gnothuch,  chumainn  iad  sin  anns 
an  leabaidh  daonnan,  gun  an  leigeil  aisde 
idir,  oir  cha  bhiodh  iad  ach  a'  deanamh  cron 
co-dhiu. 


12 


Na'n  robh  teanga  a'  bhaird  agamsa  bheir- 
eadh  e  toileachadh  mor  dhomh  laoidh  a 
dheanamh  do'n  leabaidh,  oir  ged  nach  'eil 
mi  na's  truime  na  daoine  eile  air  a'  chadal 
fhuaii"  mi  barrachd  solais  innte  na  fhuair  mi 
ann  an  aite  air  bith  eile.  Is  ann  anns  an 
leabaidh  a  thainig  mi  a  steach  do'n  t-saoghal 
agus  tha  mi  an  dochas  gur  ann  innte  a  dh' 
fhagas  mi  e;  chuir  mi  seachad  an  treas  cuid 
do  m'  bheatha  innte,  agus  cha  'n  'eil  ds 
aithreachas  orm  ach  nach  do  chuir  mi  seachad 
an  tuilleadh  uine  innte.  An  uair  a  tha 
duine  anns  an  leabaidh  tha  e  mar  gu'm 
biodh  e  ann  an  eilean ;  tha  garradh-dion  tim- 
chioll  air  a  chumas  bhuaith  daoine  usaideach 
is  upraid  shaoghalta,  agus  gheibh  e  onrachdas 
is  samhchair  innte  nach  fhaigh  e  ann  an  kite 
eile  air  thalamh. 

Dh'  fhairtlieh  e  orm  riamh  a  thuigsinn 
c'ar  son  a  bhios  daoine  a'  boilich  gu'm  bi 
iad  ag  eirigh  trath.  Na'n  toilichinn  a 
dheanamh  rachadh  agam  air  a  dhearbhadh 
dhuit,  a  leughadair,  gu  bheil  a'  mhoch-eirigh 
anabarrach  dona  do  chor  spioradail  dhaoine, 
oir  tha  e  'g  an  deanamh  fein-fhireanta,  agus 
a'  toirt  orra  a  bhi  sealltuinn  sios  air  daoine 
eile,  mar  bha  na  Pharasaich  a'  sealltainn 
sios  air  na  cis-mhaoir.  Cha  d'  eirich  mise 
riamh  trath  (abair  aig  coig  uairean)  nach 
robh  aithreachas  orm  an  deidh  laimhe  a 
dheanamh ;  is  fhearr  learn  gu  mor  a'  ghrian 
fhaicinn  a'  dol  fodha  seach  a  faicinn  ag 
eirigh. 

Ach  gus  tilleadh  a  dh'  ionnsuidh  nan 
dotairean,  cha  'n  aithne  dhomh  seorsa  eile 
dhaoine  a  tha  gabhail  orra  a  bhi  cho  neo- 
mhearachdach  riii.  Co  riamh  a  chuala 
dotair  ag  aideachadh  gu'n  robh  e  cearr,  agus 
nach  do  thuig  e  an  an-shocair  a  bha  air  daoine 
d'  an  robh  e  a'  toirt  philleachan  fad  leth- 
bhliadhna?  Is  ann  a  ghabhas  feadhainn 
dhiubh  anns  an  t-sroin  e  ma  their  an  duine 
truagh  a  tha  fulang  gu'm  bu  mhaith  leis 
corahairle  eile  fhaotainn,  agus  dotair  eile 
fhaicinn.  Ach  air  a  shon  sin  tha  iad  a' 
deanamh  a  cheart  uiread  mhearachdan  ri 
daoine  eile. 

Anns  na  laghannan  aig  Hammurabi, 
laghannan  a  tha  cho  sean  ri  Abraham,  bha 
riaghailtean  air  an  cur  sios  mu'n  pheanas  a 
bhiodh  air  a  dheanamh  air  dotairean  a  rinn 
cron  air  daoine  le  cion  sgil  no  le  cion  cur  aim. 
"  Ma  bha  duine  air  an  robh  creuchd,  no 
duine  a  bha  a  shuil  goirt,  fo  laimh  dotair, 
agUB  gu'n  d'  fhuair  an  duine  am  bas,  no 
gu'n  do  chain  e  a  shuil  an  deidh  do'n  do- 
tair a  bhi  ag  oibreachadh  air  le  lann  no 
sgian  umha  ;  ma  bha  a  choire  aig  an  dotair, 
gearrar  dheth  na  lamhan. " 

Thi  mi  an  duil  nach  biodh  e  idir  dona  do'n 


duthaich  na'n  robh  na  seann  reachdan  sin 
air  an  urachadh  an  diugh,  agus  na'n  robh  e 
air  a  thoirt  a  mach  le  achd  Parlamaid,  dotair 
air  bith  a  bheireadh  na  fiaclan  a  daoine  eile 
gun  aobhar  gu'm  biodh  iad  air  an  toirt  as 
fhein  le  gobhainn.  Bheireadh  sin  orra  nach 
biodh  iad  cho  deas  gu  fiaclan  a  tharruing,  an 
uair  nach  'eil  aobhar  aca  air  a  shon  ach  amh- 
arus  beag  nach  'eil  iad  idir  a'  cuideachadh  le 
stamagan  nach  'eil  iad  a'  tuigsinn  ciod  a  tha 
cearr  annta.  Saoilidh  mi  nach  b'  urrainn 
daibh  cur  an  aghaidh  sin,  oir  tha  e  an  da 
chuid  a  reir  an  lagha  agus  a  reir  an  t-sois- 
geil.  Tha  lagh  Mhaois  ag  radh,  "  suil  air 
son  sula  agus  fiacail  air  son  fiacla,"  agus 
tha  an  soisgeul  ag  radh,"  gach  ni  a  b'  aill 
leibh  daoine  a  dheanamh  dhuibh  deanaibh-se 
mar   sin  dhaibhsan  mar  an   ceudna." 

Uaireigin  de'n  t-saoghal  bha  daoine  fo 
dhaorsa  aig  sagartan  is  ministearan  ach  thilg 
iad  a'  chuing  sin  dhiubh.  Ach  ma  thilg, 
tha  iad  a  nis  fo  chuing  uir,  oir  fhuair  na 
dotairean  an  cothrom  an  uair  a  thoisich 
daoine  air  ro-churam  a  ghabhail  d'  an  corp. 
Tha  duine  6g  ann  an  Cille-sgumain  air  a 
bheil  ro-churam  a  chuirp  cho  mor  's  nach 
cual  e  an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain, 
B.D.,  bho  chionn  tri  bliadhna.  Stad  e  a 
dhol  do'n  eaglais  le  eagal  roimh  chreutairean 
beaga  ris  an  abair  e  fhein  germs  ach  ris  an 
abair  Calum  Domhnullach  am  beadall,  aig  a 
bheil  a'  Ghaidhlig  cheart,  fridean-fiiirain. 
Bha  eagal  air  gu'm  faigheadh  e  iad  ann  an 
cupan  a'  chomanachaidh.  Leugh  e  ann  an 
leabhar  air  chor-eigin  nach  robh  e  nadurra 
do  mhac  an  duine  feoil  itheadh,  agus  bhuaith 
sin  tha  e  a'  tighinn  beo  air  cnothan.  Cha 
'n  fhosgail  e  litir  gus  an  teid  a  tumadh  ann 
am  ballan  anns  a  bheil  stuth  a  mharbhas  na 
fridean-fiurain  a  dh'  fhag  am  posta  oirre  le 
ordagan.  An  uair  a  dh'  eireas  e  anns  a' 
mhaduinn  is  e  a'  cheud  rud  a  ni  e  steall 
uisge  a  chuir  suas  'n  a  chuinnleanan  le  in- 
neil  mar  gu'm  biodh  gunna-spiitaidh.  Tha 
crios  m'a  mheadhon  a  chumail  air  falbh 
leum-droma,  agus  fainne  mor  buidhe  air  a 
mheur  a  chumail  air  falbh  loinidh,  ach  a 
dh'  aindeoin  gach  curam  a  tha  e  a'  gabhail 
dheth  fhein,  tha  Seonaid  Eachainn  ag  radh 
nach  'eil  e  latha  's  a'  bhliadhna  gun  rud- 
eigin  cearr  air,  fuachd,  no  deideadh,  no 
greim-mionaich . 

Cha  bu  bheo  a  bheo  do  dhuine  na  'm  biodh 
e  daonnan  fo  dhaorsa  aig  na  dotairean,  fo 
eagal  roimh  na  fridean-fiurain  agus  fo  smaig 
aig  a'  chor23  bhasmhor  ;  na'm  biodh  eagal  brie 
iw  fiabhruis  air  gach  uair  a  laigheadh  cuileag 
air  a  shroin.  B'  fhearr  do  dhuine  am  bas 
fhein  na  sin,  oir  ciod  a  tha  ann  am  beatha  i 
duine  a  tha  fo  dhaorsa  ach  am  bas? 


Air.    4. 


926. 


DAORSA  NA  LITREACH. 


ried  is  mor  an  cliu  a  fhuair  Rabbaidhean 
nan  ludhach  air  son  an  sgoilearachd,  agus  air 
sun  an  eolais  a  bha  aca  air  na  sgriobturan, 
cha  robh  anns  a'  chuid  mhor  d'  an  sgoilear- 
achd agus  d'  an  eolas  air  na  sgriobturan  ach 
an  fhior  pheasanachd.  Bha  iad  mion- 
eolach  air  litir  an  lagha  ach  cha  do  thuig  iad 
riamh  gu  ceart  spiorad  an  lagha.  Ach  ma 
dh'  fheoraicheas  tu,  a  leughadair,  ciod  an 
t-aobhar  nach  robh  na  sgriobturan  air  an 
tuigsinn  le  daoine  aig  an  robh  uiread  de 
niheas  orra,  agus  a  bha  cur  seachad  am  beatha 
'gan  rannsachadh,  theagamh  gu  'n  cuir  am 
freagradh  a  bheir  mise  do'n  cheist  sin 
ionghnadh  ort.  Cha  do  thuig  iad  na  sgriob- 
turan a  chionn  gu'n  rohh  iad  a'  dean- 
amh  iodhol  dhiuhh.  Cha  'n-  'eil  rud  air  an 
t-saoghal  as  duiliche  a  dheanamh  na  beach- 
dan  turail  agus  beachdan  cothromach  mu  na 
sgriobturan  a  thoirt  do  dhaoine  a  bha  air  an 
togail  anns  na  ceart  bheachdan  a  bha  aig 
sgriobhaiehean  nan  ludhach,  gu'm  b'e  Dia 
a  sgriobh  am  Biobull  direach  mar  is  e  Iain 
Bunian  a  sgriobh  Turns  a'  Chriosduidh.  Is 
e  sin  a  tha  moran  dhaoine  a'  ciallachadh  leis 
an  fhacal,  gu  hheil  am  Biobull  air  a  dheach- 
dadh  le  Dia.  Bho  laithean  Esra  bha  na 
h-Iudhaich  a'  creidsinn  gu'n  robh  Leabhar 
an  Lagha  air  a  thoirt  dhaibh  le  Dia,  ach 
mar  nach  bu  leor  sin  a  chreidsinn,  chaidh 
na  sgriobhaiehean  na  b'  fhaide  an  deidh 
laimhe  agus  theagaisg  iad  nach  e  mhain  gu'n 
tug  Dia  Leabhar  an  Lagha  dhaibh  ach  gur 
e  Dia  fein  a  sgriobh  e.  "  Esan  a  their 
nach  ann  bho  nfeamh  a  thainig  Leabhar  an 
Lagha  cha  bhi  cuid  no  pairt  aige  anns  an 
t-saoghal  shiorruidh."  "  Esan  a  their  gu'n 
do  sgriobh  Maois  eadhon  aon  rann  de 
Leabhar  an  Lagha  le  ghliocas  fhein  tha 
e  ag  aicheadh  agus  a'  deanamh  tair  air  facal 
Dhe." 

Bidh  mise  air  uairean,  anns  na  h-oidhchean 
fada  geamhraidh,  a'  leughadh  an  Talmuid, 
agus  leabhraichean  eile  anns  a  bheil  seann 
sgoilearan  ludhach  a'  mineachadh  nan 
sgriobturan,  ach  a  dh'  innseadh  na  firinn  bha 
cho  mhaith  dhomh  a  bhi  cladhach  le  sluasaid 
ann  am  baca  gainmhich  air  son  na  fhuair 
mi  riamh  annta  de  ghliocas  no  de  bheatha. 
Air  uairean  bidh  mi  a'  gabhail  naire  gu'n 
tuiteadh  inntinn  mhic  an  duine  cho  iosal 
's  a  thuit  na  diadhairean  agus  na  sgoilearan 
ud,  'n  am  breithneachadh  agus  'n  an 
reusonachadh.        Ach   is   e  an  t-aobhar  nach 


robh  saorsa  aig  an  inntinnean.  Bha  iad  a' 
reusonachadh  mar  dhaoine  a  bha  an  inn- 
tinnean ann  an  geimhlibh.  Agus  b'  e  so  a 
chuir  an  geimhlibh  iad,  na  beachdan  a 
fhuair  iad  bho  'n  aithrichean  gu'n  robh  gach 
litir  anns  na  sgriobturan  air  a  thoirt  dhaibh 
le  Dia,  agus  gach  lide  air  a  dheachdadh  leis. 
Bha  am  beachd  sin  mar  gu'm  biodh 
teadhair  air  an  casan,  a  bha  'gan 
cumail  bho  ionaltradh  fhaotainn  an  raointean 
farsuing.  Dhall  e  an  siiilean  air  chor  agus 
nach  fhaoa  iad  riamh  brigh  agus  maise  a' 
Bhiobuill  mar  a  chunnaic  sgoilearan  an  la 
diugh  aig  nach  'eil  uiread  Eabhra  's  a  bha 
aca-san.  Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  thu, 
a  leughadair,  gu  bheil  mi  a'  ciallachadh  nach 
'eil  sgoilearan  an  la  diugh  a'  creidsinn  gu 
bheil  Dia  a'  labhairt  anns  a'  Bhiobull.  Tha 
sgoilearan  an  la  diugh  a'  creidsinn  sin  le  'n 
uile  chridhe,  ach  tha  iad  'g  a  chreidsinn  ann 
an  doigh  a  tha  a  reir  tuigse  is  firinn.  Is 
aithne  dhaibh  ciamar  a  chaidh  leabhraichean 
a'  Bhiobuill  a  sgriobhadh,  c6  a  sgriobh  iad, 
agus  c'aite,  agus  ciod  a  bha  anns  an  amharc 
aig  na  daoine  a  sgriobh  iad.  Tha  iad  a' 
creidsinn  gu'n  robh  na  daoine  sin  air  an 
gluasad  leis  an  Spiorad  Naomh  gu  bhi  ag 
innseadh  do'n  t-saoghal  ciod  a  chuir  Dia  'n 
an  cridhe;  am  facal  a  bha  mar  theine  'n  an 
cnamhan.  Tha  iad  a'  creidsinn  gu  bheil 
fhianuis  fhein  an  cois  Facal  an  Tighearna 
daonnan  ;  gu  bheil  ughdarras  ann  d'  am  bheil 
cridheachan  dhaoine  a'  comh-fhreagradh. 

Ach  cha  b'  e  so  a  bha  sgriobhaiehean  nan 
ludhach  a'  creidsinn,  agus  cha  'n  e  so  a  bhios 
sliochd  nan  sgriobhaiehean  ann  an  Albainn 
a'  ciallachadh  an  uair  a  their  lad  gu  bheil 
am  Biobull  air  a  dheachdadh  le  Dia.  Is  coma 
leo-san  c6  a  sgriobh  an  leabhar  ud  no  an 
rann  ud ;  co  dhiubh  a  tha  lad  a'  leughadh 
briathran  Chriosd  no  briathran  Mhaois,  no 
briathran  Phoil ;  tha  an  t-aon  ughdarras  air 
an  cul  oir  tha  iad  uile  air  am  faotainn  anns 
a'  Bhiobull.  Cho  fhad  's  a  tha  daoine  anns 
an  daorsa  sin,  agus  cho  fhad  's  nach  cleachd 
lad  an  tur,  agus  an  tuigse,  agus  am  fiosrach- 
adh  spioradail  fhein,  air  na  nithean  a 
leughas  iad  anns  a'  Bhiobull  cha  'n  urrainn 
daibh  gu  brath  saorsa  ghl^rmhor  cloinne 
Dhe  a  shealbhachadh.  Far  a  bheil  spiorad 
an  Tighearna  an  sin  tha  saorsa. 

Gus  a  leigeil  fhaicinn  duit  ciod  an 
fhaoineachd  leanabail  anns  an  tuit  daoine 
a  bhios  a'  deanamh  iodhol  do  litir  an 
sgriobtuir  faodaidh  mi  sop  no  dha  a 
thoirt      a       teagasg      nan        sgriobhaiehean 


14 


rail  'n  t-Sabaid.  Bha  iad  a'  ceadachadh 
do  dliuine  an  siuugaid  a  thilgeadh  e  a 
mach  air  an  t-»Sabaid  a  shuathadh  le 
bhroig,  ma  tliilg  e  a  maeh  i  air  cabh- 
sair ;  ach  ma  thilg  e  a  maoh  air  an 
talamh  i,  cha  'n  fhaodadh  e  a,  suathadh  le 
bhroig,  oir  dheanadh  a  bhrog  larach  air  an 
talamh  agus  bhiodh  sin  co-ionnon  ri  treabh- 
adh.  B'e  obair  a  bha  aim  an  treabhadh, 
agus  bha  obair  air  a  toirmeasg  air  an 
t-Sabaid.  Sin  agad  laghaireachd  !  Dh' 
fhaodadh  diiine  criibach,  no  duine  a  chaill 
a  chas  coiseachd  le  bata  air  an 
t-Sabaid,  no  le  oois-mhaide;  ach  cha  'n 
fhaodadh  e  imeachd  le  claragan  air  an 
t-Sabaid,  oir  cha  b'e  na  claragan  a  bha  giulan 
an  duine  ach  an  duine  a  bha  giulan  nan 
claragan.  Sin  agad  laghaireachd  !  Bha  e 
air  a  thoirmeasg  uallach  air  bith  a  ghiulan 
air  an  t-Sabaid ;  cha  'n  fhaodadh  eadhon 
taillear  an  t-snathad  a  ghiulan  'n  a  pheiteig. 
Sin  an  t-aobhar  gu'.n  robh  na  sgriobhaichean 
agus  na  Phairisich  cho  teann  air  an  duine 
a  leighis  losa,  agus  air  an  d'  iarr  e  a  leaba 
a  thogail  agus  imeachd.  Chunnaic  iad  an 
duine  a'  giulan  a  leapa  fo  achlais  air  an 
t-Sabaid,  agus  bha  sin  'na  chron  mor  'n  an 
siiilean ;  cho  mor  agus  gu'n  d'  fholaich  e 
orra  nithean  a  bu  mhotha. 

La  Sabaid  a  bha  losa  agus  a  dheisciobuil 
a'  dol  troimh  achadh  arbhair,  agus  an  t-acras 
orra,  thoisich  na  deisciobuil  air  diasan  a 
shuathadh  'n  am  basan  agus  air  an  itheadh. 
Cha  b'  urrainn  na  Phairisich  coire  fhaotainn 
dhaibh  air  son  na  diasan  itheadh,  oir  bha 
fhios  aoa  gu'n  robh  e  air  a  sgriobhadh  anns 
an  lagh,  "  An  uair  a  theid  thu  a  steach  do 
arbhar  do  choimhearsnaioh,  an  sin  faodaidh 
tu  na  diasan  a  spionadh  le  d'  laimh,  ach  cor- 
ran  cha  chuir  thu  ann  an  arbhar  do  choimh- 
earsnaich  ;"  ach  fhuair  iad  ooire  dhaibh  air 
son  na  diasan  a  shuathadh  'n  an  lamhan  oir 
bha  sin  eo-ionnan  ri  arbhar  a  bhualadh.  An 
uair  a  thoisicheas  daoine  air  laghaireachd 
cha  'n  'eil  ceann  no  crioch  aice  ;  minichidh 
iad  aon  lagh  gus  faotainn  seachad  air  lagh 
eile.  Sin  mar  a  bhiodh  na  sgriobhaichean 
a'  deanamh.  Bha  aon  lagh  aca  a'  toirmeasg 
do  dbuine  snaim  a  cheangal  air  an  t-Sabaid, 
ach  bha  lagh  eile  aca  a'  ceadachadh  snaim  a 
cheangal  na  'n  gabhadh  i  fuasgladh  le  aon 
laimh.  Cha  'n  fhaodadh  duine  dol  air  thurus 
air  an  t-Sabaid  na  b'  fhaide  na  da  mhile,  ach 
na  'n  toilicheadh  e,  no  na'm  b'  aithne  dha,  dh' 
fhaodadh  e  an  lagh  so  a  choimhead  agus  a 
thurus  a  shmeadh  na  b'  fhaide.  Dh' 
fhaodadh  e  dol  air  Di-sathuirne  agus  trath 
bidh  fhagail  aig  a'  chloich-mhile  a  bha  da 
mhile  air  falbh,  agus  bheireadh  sin  dha 
"  dachaidh  "    anns   an   aite.  An   sin   am 

maireach   dh'    fhaodadh  e   aig  ceann   an   da 


mhile  toiseachadh  air  a  cheumannan  a  chunn- 
tas  as  ur,  agus  dol  da  mhile  eile,  agus  mar 
sin  air  aghaidh  gus  an  rachadh  e  fichead 
mile.      Sin  agad   laghaireachd  ! 

Cleas  nan  deargannan,  bha  laghannan 
beaga  air  druim  nan  laghannan "  mora, 
agus  laghannan  a  bu  lugha  air  druim 
nan  laghannan  beaga,  agus  mar  sin 
air  aghaidh  gu  suthain  slor.  Rinn 
iad  deasbud  laidir  a  lean  gineal  no  dha  air 
a'  cheist,  "  Am  bu  choir  do  dhuine  ubb 
itheadh  a  rugadh  air  an  t-Sabaid  no  air  latha- 
traisg?  "  Cuid  a  bha  crabhach  gu  leoir,  dh' 
itheadh  iad  an  t-ubh ;  ach  daoine  a  bha  air 
son  ainm  an  fhior-chrabhaidh  fhaotainn,  cha 
bheanadh  iad  dha.  Na  'n  do  dhichuimhn ich 
duine  altachadh  a  dheanamh  roimh  bhiadh, 
dh'  fheumadh  e  an  t-altachadh  a  dheanamh 
an  aite  air  bith  anns  an  do  chuimhnich  e 
nach  do  rinn  e  e;  is  e  sin  r'a  radh,  mur  robh 
an  trath  a  ghabh  e  cheana  air  a  chnamh  'n  a 
ghoile.  Ma  bha  am  biadh  air  a  chnamh, 
cha  ruigeadh  e  a  leas  altachadh  a  dheanamh. 

Bho  la  am  breith  gu  la  am  bais  bha  iad  air 
an  ceangal  le  mile  is  deich  mile  riaghailt  de 
'n  t-seorsa  so,  air  chor  agus  gu  'n  robh  e  cho 
duilich  do  dhaoine  an  Lagh  a  choimhead  's 
a  bhiodh  e  do  mharaiche  seoladh  air  oidhche 
dhorcha  am  measg  eileanan  is  sgeirean  gun 
aiveamh  air  cladach  nach  fhaca  e  riamh.  Cha 
ghabhadh  an  rud  deanamh,  agus  is  e  a 
thainig  as  air  a  cheann  mu  dheireadh  gu  'n 
robh  sgil  is  sgoil  nan  sgriobhaichean  air  an 
cleaehdadh  gus  daoine  a  chumail  ann  an  reite 
ri  litir  an  lagha  am  feadh  's  a  bha  iad  ann 
an  aimhr^ite  ri  spiorad  an  lagha.  Rinn 
iad  riaghailtean  dhaibh  fein  a  bha  cur  aith- 
eantan  Dhe  an  neo-bhrigh.  Sin  na  riagh- 
ailtean ris  an  abradh  iad  beul-aithris  nan 
seanairean. 

Cha  b'  ionghnadh  gu  'n  do  chuir  a' 
pheasanachd  so  fearg  air  losa  agus  gu  'n  d' 
thubhairt  e  riu  an  clar  an  aodainn  gu  'n 
robh  iad  a  narachadh  spiorad  na  diadhaidh- 
eachd,  agus  a'  cur  lagh  Dhe  an  suarrachas 
le  an  gnathachadh,  "  Aniadana  agus  a  chinn- 
iiiil  dhalla,"  ars'  esan  riu,  "  a  shiolaidheas 
a'  mheanbh-chuileag,  agus  a  shluigeas  an 
camhal,  is  an-aoibhinn  dhuibh ;  tha  sibh  a' 
toirt  an  deachamh  as  a'  mhionnt,  agus  as  an 
anise,  agus  as  a'  chumin,  ach  dhiobair  sibh 
nithe  cudthromach  an  lagha,  trocair,  agus 
firinn. " 

Bha  meas  aig  Criosd  air  an  t-seann  Tiom- 
nadh ;  bheathaich  e  anam  fein  leis  agus 
theagaisg  e  daoine  eile  as,  ach  cha  do  rinn  e 
riamh  iodhol  do  litir  an  leabhaiv,  agus  tha 
e  calg-dhireach  an  aghaidh  inntinn-san 
urram  no  ughdarras  a  thoirt  do  leabhar  no 
do  lagh  air  bith  os  cionn  an  Spioraid  Naoimh 
a  tha  daonnan   a'    labhairt  ri  daoine.      Rud 


15 


gle  neonach  gu  'n  abrarlh  daoine  Facal  an 
Tighearna  ri  facail  a  tha  cho  tiorain  agus 
air  cho  bheag  brigh  li  sgeulachdan  nan 
Aiabianach  ged  a  tha  iad  air  an  ceangal  suas 
oomhla  ri  teagasg  Chriosd  agus  ri  litrichean 
Phoil,  agus  ri  sailm  DhailAidh,  agus  nach 
abair  iad  Facal  an  Tighearna  idir  ris  na 
guthan  leis  a  bheil  Spiorad  air  Tighearna  a' 
labhairfc  riu  'nan  anam  fein. 

Mar  is  sinne  a  tha  mise  a'  fas,  agus  is 
motha  a  tha  mi  a'  leughadh,  ague  is  farsuinge 
a  tha  m'  fhiosrachadh  a'  dol,  is  ann  is 
soilleire  a  tha  mi  a'  faicinn  gur  e  na  daoine 
as  eudmhoire  mu  dheachdadh  a'  Bhiobnill  na 
(Laoine  as  lugha  a  tha  faotainn  de  mhaith  as ; 
as  lugha  a  tha  faicinn  d'a  mhaise;  as  lugha 
a  tha  tuigsinn  d'a  theagasg;  agus  as  motha 
d'a  bheil  e  'n  a  dheacaireachd.  An  uair  a 
tha  aite  air  a  thoirt  do  litir  an  lagha  nach 
buin  dhi,  aite  nach  d'  fhuair  i  riamh  bho 
Chriosd,  no  bho  dhuine  eile  anns  an  robh  an 
fhior  inntinn  spioradail,  is  e  a'  chrloch  a  bhios 
aig  a  sin,  nach  bi  anns  an  diadhaidheachd 
ach  an  laghaireachd,  agus  nach  bi  anns  na 
diadhairean  ach  na  Phairisioh.  Cha  'n'  eil 
mi  a'  ciallachadh  leis  a  sin  gu  bheil  na 
Phairisich  'n  an  cealgairean  ach  tha  mi  a' 
ciallachadh  gxi  bheil  iad  a'  fantuinn  daonnan 
anns  a'  chiiirt  a  mach  de  'n  teampull,  gun 
dol  a  steach  do  'n  ionad  ro-naomh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Ann  an  toiseach  na  h-oidhche  bha  mi  a' 
leughadh  cunntais  a  thug  Frangach  aii' 
muinntir  Albainn  mu  'n  bhliadhna  1885,  agus 
chuir  cuid  de  na  rudan  a  thuirt  e  umpa 
uiread  feirge  orm  's  gu  'n  tugainn  dha 
cluaisean  air  an  leth-cheann  air  am  biodh 
cuimhne  aige  fad  raidhe,  na  'n  robh  e  laimh 
rium.  Bha  e  ag  radh  nach  'eil  a  leithid  de 
ni  is  coiread  no  aoidheachd  am  measg  nan 
Gaidheal  an  diugh ;  gu  bheil  iad  a'  deanamh 
aoraidh  do  dha  Thrianaid ;  do  'n  Trianaid 
Naomh  air  an  t-Sabaid,  agus  do  'n  Trianaid 
L.S.D.  air  laithean  eile  na  seachduin.  An 
aite  dol  a  chonnsachadh  ris  a'  bhiasd  mi  fhein 
mu  aoidheachd  nan  Gaidheal,  bu  mhaith 
learn,  a  leughadair,  fianuis  chothromach  air 
a'  chuis  so  a  ghairm,  fianuis  d'  am  b'  aithne 
muinntir  na  Gaidhealtachd  mar  nach  b' 
aithne  do  Fhrangach  air  bith  a  sheas  riamh 
am  brigis,  an  t-Ollamh  caomh  nach  maire- 
ann  Alasdair  Mac  Gillemhicheil. 

Anns  an  leabhar  uasal  a  chuir  e  mach  Ortha 
Nan  Gaidheal  tha  e  ag  radh  so  mu  mhuinntii- 
na  Gaidhealtachd  agus  nan  eileanan.  "Tha 
iad  maith  do  na  bochdan,  coibhneil  ri  coig- 
rich,  agus  siobhalta  ris  na  h-uile.     Fad  nam 


bliadhnachan  a  bha  mi  'n  am  measg  cha  do 
thachair  riamh  coimheachas  no  cion  siobh- 
altachd  orm,  agus  cha  deachaidh  mi  riamh 
a  steach  do  thigh  nach  do  thairg  muinntir 
an  tighe  biadh  dhomh,  air  neo  nach  do  ghabh 
iad  an  leth-sgeul  nach  robh  sin  freagarrach 
dhaibh  a  dheanamh. " 

An  uair  a  leughas  tu  an  teisteanas  a  thug 
an  da  dhuine  air  an  aon  t-sluagh  theagamh 
gu  'n  cuimhnich  thu,  mar  a  chuimhnich  mise, 
air  an  fhacal  a  tha  sgriobhta  anns  a'  Bhiobull, 
"Do  'n  duine  ghlan  nochdaidh  tu  thu  fein 
glan,  agus  do  'n  duine  reasgach  nochdaidh 
tu  thu   fein   reasgach." 

Tha  cuid  de  dhaoine  ann  aig  a  bheil  suilean 
biorach  gus  failingnean  dhaoine  eile  a  chomh- 
arrachadh,  ach  ged  a  bhios  an  seorsa  sin  an 
dull  gu  bheil  iad  a'  tuigsinn  doighean  dhaoine 
agus  doighean  an  t-saoghail  moran  na  's 
fhearr  na  'n  coimhearsnaich,  is  e  an  fhirinn 
gu  bheil  iad  gle  bhitheanta  dall.  Na  siiilean  a 
theid  tromhad  mar  ghimleid  ;  a'  rannsaicheas 
smear  do  chnamh  gus  an  tig  crith  fhuachd 
ort, — cha  'n  e  sin  idir  na  suilean  d'  an  leir 
ulaidh  is  ionmhas  a  chridhe,  ach  na  suilean 
blath  anns  a'  bheil  gradh  is  baigh.  Sin  an 
t-aobhar  gu  'n  do  thuig  Criosd  daoine  ann 
an  laithean  fheola  na  b'  fhearr  na  thuig  na 
Phairisich  iad,  ged  a  bha  na  Phairisich  an 
diiil  gu  'n  robh  iad  fhein  fada  na  bu  ghlice 
agus  na  ou  leirsinniche  na  Criosd. 

Tha  an  sgeulachd  bhoidheach  so  aig 
muinntir  Phersia  mu  Chriosd.  "Feasgar 
a  thainig  e  fein  agus  a  dheisciobuil  a  steach 
do  bhaile  sonraichte,  chunnaic  iad  meall  mor 
dhaoine  cruinn  air  an  t-sraid,  agus  iad  a' 
sealltuinn  air  rud-eigin  a  bha  aig  geata  a' 
mhargaidh.  Gu  de  a  bha  na  daoine  a'  seall- 
tainn  air  ach  cu  marbh,  agus  ropa  m'a 
amhaich  leis  an  robh  e  a  reir  choslais  air  a 
shlaodadh  a  dh'  ionnsuidh  an  aite  anns  an 
robh  e  'n  a  laighe?  Bha  aileadh  as  a'  chlos- 
aich,  is  bha  na  daoine  a'  cur  dhiubh  gu 
laidir  a  chionn  nach  robh  seanairean  a'  bhaile 
a'  tiodhlacadh  a'  choin.  "  Sealladh  oill- 
teil,"  ars'  aon  duine,  "  chuireadh  e  sgreamh 
air  buidsear  fhein."  "Seall  air  na  cluasan 
aige,"  arsa  duine  eile,  "tha  iad  Ian  fala  is 
gaoirre. "  Ach  sheall  losa  air  a'  chu,  agus 
is  e  na  thubhairt  e.  "  Tha  fhiaclan  cho  geal 
boidheach  ris  an  ibhri  fhein."  Bu  leir  d'a 
shuil-san  maise  eadhon  ann  an  cii  marbh.  Bu 
leir  da  gu'm  bu  nighean  do  Abraham  Muire 
d'  an  gairmear  Magdalen  a  dh'  aindeoin  a 
seachrain.  An  uair  a  mhothaicheas  daoine 
annta  fhein  gu  bheil  iad  na  's  deise  gu  failing- 
ean  dhaoine  eile  fhaicinn  na  tha  iad  air  am 
failingean  fhein  fhaicinn^-  no  ma  mhoth- 
aicheas iad  gu  bheil  iad  na  's  deise  gu  bhi 
faicinn  a'  chogail  a  tha  'n  an  coimhearsnaich 
na  tha  iad  air  a'  chruithneechd  a  tha  annta 


16 


fhaieinn,  bu  choir  do  'n  eolas  sin  bior  a  chur 
'n  an  coguis,  oir  tha  e  ag  innseadh  dhaibh 
nach  e  an  iuntinn  a  bha  ann  an  Criosd  a  tha 
annta.  Tha  e  na  's  fhasa  do  dhaoine  a  bhi 
magail  na  bhi  uasal ;  tha  e  na  's  fhasa  a  bhi 
cruaidh  na  bhi  trocaireach,  ach  gun  freumh 
maith  de  'n  uaisle  agus  de  'n  trocair  'n  ar 
cridheachan  cha  bhi  annainn  ach  ggoilearan 
bochda  an  sgoil  Chriosd.  Am  measg  gach 
I'ud  nimlieil  a  thubhaiit  naimhdean  a' 
chroinn-cheusaidh  mu  Chriosd,  cha  'n  fhaca 
is  cha  chuala  mi  riamh  gu  'n  do  chuir  iad 
as  a  leth  gu'n  do  rinn  e  gniomh  leibideach, 
no  gu  'n  do  labhair  e  facal  suarrach  uair 
air  bith  'n  a  bheatha.  Bha  e  daonnan 
uasal  agus   trocaireach. 

A  thaobh  an  ruid  eile  a  chuir  am  Fran- 
gach  as  leth  ar  sluaigh,  tha  mi  an  duil  nach 
'eil  na  Gaidheil  na  's  gaolaiche  air  airgiod 
na  daoine  eile,  no  a'  deanamh  aoraidh  do  'n 
Trianaid  L.S.D.  ach  mar  tha  an  saoghal 
uile  a'  deanamh.  Ach  ged  a  bhitheadh  iad 
gaolach  air  airgiod,  c'arson  nach  bitheadh  ? 
Cha  'n  'eil  rud  fo  'n  ghrein  air  a  bheil 
barrachd  goraiche  is  barrachd  gloramais 
air  a  labhairt  agus  air  a  sgriobhadh  na  tha 
air  a  labhairt  agus  air  a  sgriobhadh  mu  ghaol 
airgid.  Leis  mar  a  bhios  daoine  a'  cur  sios 
air  airgid  is  ann  a  shaoileadh  tu  gu  bheil  e  'n 
a  thamailt  do  dhuine  e  bhi  aige,  air  neo 
nach  urrainn  do  dhuine  fhaotainn  gu 
h-onorach. 

Tha  airgiod  maith  agus  ro-mhaith  'n  aite 
fhein,  agus  gu  de  an  rud  a  tha  maith  mur 
bheil  e  air  a  chumail  'n  a  aite  fhein  ?  Am 
flur  is  maisiche,  ma  tha  e  a'  fas  ann  an  aite 
anns  nach  'eil  gnothuch  aige  a  bhith,  cha  'n 
e  maith  ach  cron  a  tha  e  deanamh.  Na 
hisan  agus  na  fluraichean  as  boidhche,  ma 
tha  iad  a'  fas  ann  an  achadh  buntata,  their 
an  tuathanach  ,  riu  salchar.  Tha  f ichead 
rioghachd  sholasach  a  bhios  duinte  gu  brath 
air  duine  mur  bheil  a  leigeanas-a-leas  de 
airgiod  aige.  Ma  tha  meud  an  saoibhreis 
'n  a  bhuaireadh  do  mhoran  dhaoine,  tha 
meud  am  bochdainne  'n  a  bhuaireadh  do 
aireamh  as  motha.  An  uair  a  theid  mi 
thairis  'n  am  inntinn  air  na  daoine  air  a 
bheil  mi  mion-eolach  (cha  'n  'eil  mi  ag  radh 
dad  mu  na  daoine  as  aithne  dhomh  fada 
bhuam  le  bhi  leughadh  umpa  anns  na  paip- 
earan-naigheachd)  cha  'n  'eil  'n  am  measg 
uile  gu  leir  ach  coig  no  seo'n  tugainn  air 
falbh  cuid  de  'n  airgiod  a  tha  aca,  air  ghaol 
daoine  as  fhearr  a  dheanamh  dhiubh.  A 
thaobh  a'  chorra  de  mo  luchd-eolais  bheirinn 
dhaibh  an  tuilleadh  's  a  tha  aca,  agus 
bhith  inn  cinnteach  nach  ann  idir  air  seach- 
ran  air  Dia  a  bha  mi    'g   an  cur,   ach  gu'n 


robh  mi  a'  toirt  daibh  cothrom  air  ruigli- 
inn  air  beatha  as  farsuinge  agus  as  airde 
na  tha  comasach  do  dhaoine  air  a  bheil  ro- 
churam  mu  Ion  na  h-ath  sheachduin  daonnan. 

Cha  'n  abair  duine  ach  duine  gorach  gu 
'n  dean  airgiod  daoine  sona ;  thubhairt  an 
Neach  a  bu  ghlice  a  bha  riamh  air  thalamh 
nach  ann  am  mor-phailteas  nan  nithe  a  tha 
e  a'  sealbhachadh  a  tha  beatha  an  duine;  ach 
cha  'n  ann  an  gainne  nan  nithe  a  tha  e  a' 
sealbhachadh  a  tha  a  bheatha  na  's  mo.  An 
uair  a  dh'  fheoraich  an  Seanalair  Bramwell 
Booth  de  Cecil  Rhodes  an  robh  e  sona,  is  e  a 
thubhairt  an  duine  sin,  duine  aig  an  robh 
na  muilleanan,  "  Mise  sona!  tha  fhios  aig 
Dia  nach  'eil  mise  sona,"  "  Cha  'n  'eil  ach 
aon  aite,"  arsa  Bramwell  Booth,  "  far  am 
faigh  thu  an  sonas  a  mhaireas,  aig  casan  an 
t-Slanuigheir  a  chaidh  e  cheusadh  air  ar  son, 
oir  is  ann  an  sin  a  mhain  e  gheibh  sinn  fuas- 
gladh  bho  ar  peacaidhean."  Cha  toigh  leam- 
sa  Cecil  Rhodes,  agus  cha  bu  toigh  leam 
riamh  e,  ach  air  a  shon  sin,  bha  rud-eigin 
mor  agus  tromadach  anns  an  duine.  'Na 
bhodhig  bha  e  cho  mor  ri  Saul  mac  Chish, 
agus  cleas  Shauil  cuideachd,  bhiodh  e  air 
uairean  am  measg  nam  faidhean.  Cha  b'  e 
Cecil  Rhodes  am  millionaire  ach  Cecil 
Rhodes  am  faidh  a  labhair  am  facal  so  ri 
Seanalair  Booth,  an  ceannard  aig  Feachd  na 
Slainte,  "  Tha  a'  chuid  as  fhearr  agaibh 
dhiom  an  deidh  a  h-uile  rud,  oir  ged  tha 
mise  a'  deanamh  dhiithchannan  ura  tha 
sihhse  a'  deanamh  dhaoine  ura;"  agus  am 
facal  ud  eile  a  dh'  fhag  e  'n  a  thiomnadh,  "Ma 
tha  Dia  ann,  agus  ma  tha  e  a'  gabhail  suime, 
cha  'n  'eil  rud  air  an  t-saoghal  cho  cudthro- 
mach  dhomh-sa  ri  thoil-san  fhaotainn  a  mach, 
agus  an  sin  ri   thoil-san  a  dheanamh." 

Ach  ged  nach  'eil  an  sonas  as  airde  an 
crochadh  ri  airgiod,  tha  an  t-airgiod  anns 
a'  bheatha  so  coltach  ris  an  iiileadh  a  bhios 
tu  a'  cur  air  rothan  nan  cairtean  no  air 
cuibhlichean  nan  caraichean.  Bheir  e  air 
na  cuibhlichean  dol  mu  'n  euairt  gu  reidh, 
samhach.  Is  am  feum  as  motha  a  tha  ann 
an  airgiod,  gu  'n  toir  e  dhuit  saorsa  gun  a 
hhi  snuiaineachadh  air  airgiod  idir.  "Na 
toir  dhomh  bochdainn  no  beartas ;  beath- 
aich  mi  le  biadh  a  bhios  iomchuidh  air  mo 
shon."  Cha  'n  'eil  saorsa  aig  an  fheadhainn 
aio-  a  bheil  ro  bheao;  de  airgiod,  agus  cha 
mho  a  tha  saorsa  aig  an  fheadhainn  aig  a 
bheil  ro  mhor  dheth,  ach  eadar  an  da  sheorsa 
sin  tha  aireamh  mhor  dhaoine  ann  d'am  bheil 
airgiod  a'  tabhairt  saorsa  phriseil.  Agus 
ciod  air  bith  a  their  thusa,  a  leughadair. 
their  mise  gur  e  saorsa  inntinn  an  sonas  as 
airde  anns  a'  bheatha  so. 


Air.    5. 


1926. 


GNIOMH  UASAL  AGUS  EIREACHDAIL. 

"...  rihabh  Obadiah  ceud  faidh,  agus  dh' 
fholaich  e  iad  'nan  leth-cheudaibh  ann  an 
uaimh,  agus  bheathaich  e  iad  le  h-aran  agus 
uisge.'' — 1  Righ  xviii.   4. 

Bha  Obadiah  ann  an  inbhe  ard  'na  latha 
agus  'na  linn  fhein.  Bha  aite  urramach 
aige  ann  an  seirbhis  Righ  Israel.  Ach  bha 
na  laithean  olc.  Bha  gorta  anns  an  tir. 
'  Agus  na'n  d'  fhuair  an  Righ  agus  a'  Bhan- 
righ  an  toil  fhein,  bhiodli  gorta  ann  de 
Fhocal  an  Tighearna  mar  an  ceudna.  Dh' 
fheuch  iad  cur  as  do  chreideamh  lehobhah 
anns  an  tir.  Blia  nioran  de  na  faidhean  air 
an  cur  gu  bas.  Bha  an  geur-Ieanmliainn  cho 
goirt  is  gu  'm  b'  fheudar  do  Eliah,  am  faidh 
a  b'  urramaiche  bha  anns  an  tir,  teicheadh 
aisde  le  a  bheatha.  An  teis-meadhon  nan 
cunnart  sin,  "  Ghabh  Obadiah  ceud  faidh, 
agus  dh'  fholaich  e  iad  'nan  leth-cheudaibh 
ann  an  uaimh,  agus  bheathaich  e  iad  le  h- 
aran  agus  uisge." 

1.  Tha  so  a'  nochdadh  gu'm  bu  duine  e 
aig  an  robh  cridhe  caomh  trocaireach.  Bha 
e  cosmhuil  ris-san  a  thainig  air  an  duine  a 
thuit  am  measg  an  luchd-reubainn,  agus 
nach  deachaidh  seachad  air,  mar  a  rinn  an 
sagart  agus  an  Lebhitheach.  Chunnaic 
Obadiah  na  faidhean  air  an  geur-leanmhainn, 
mar  gu'm  bu  luchd  droch-bheart  iad,  le 
daoine  cumhachdach  na  tire.  Mar  a  thach- 
air  do  Luchd  nan  Cumhnant  anns  an  diith- 
aich  againn  fhein  o  shean,  bha  iad  air  am 
fuadach  o  aite  gu  aite,  air  am  fagail  gun 
dachaidh  agvis  gun  dion,  agus  air  an  diteadh 
gu  buillean  agus  gu  bas.  Agus  ma  bha  cuid 
diubh  scan  agus  anfhann,  agus  cuid  eile 
dhiubh  breoite  tinn,  rud  as  cinnteach  gu 
robh,  mo  thruaighe  an  cor  agus  an  crann- 
chur.  Ach  "  Is  beannaichte  na  daoine  tro- 
caireach, oir  gheibh  iad  trocair."  Bha 
cridhe  Obadiah  Ian  truacantais  air  an  son, 
agus  ged  a  bha  e,  ma  dh'  fhaoidte,  'ga  chur 
fhein  an  cunnart  air  an  sgath,  rinn  e 
gniomh  caraid  dhaibh-san  a  bha  gun  charaid 
ach  e  fhein.  Air  cho  lionmhor  is  gu  robh 
iad,  agus  cha  b'  e  airearah  bheag  a  bha  ann, 
chuir  e  iad  ann  an  aite  tearuinte,  far  nach 
faigheadh  an  namhaid  neo-iochdmhor  gr6im 
orra.  "  Ghabh.  Obadiah  ceud  faidh,  agus  dh' 
fholaich  e  iad  'nan  leth-cheudaibh  ann  an 
uaimh,  agus  bheathaich  e  iad  le  h-aran  agus 
uisge. ' ' 

2.     Agus  rinn  e  so  do  bhrigh  gu  robh  e  lan- 


chinnteach  gu'm  b'  airidh  iad  air  urrara 
agus  air  meas.  B'  iad  seirbhisich  an  Ti  as 
Airde.  Bha  iad  a'  cumail  lochran  na  diadh- 
aidheachd  laiste  anns  an  dorchadas,  agus  a' 
labhairt  Facal  na  Beatha  ri  ginealach  aing- 
idh.  Daoine  mora  bha  so  an  sealladh  Dhe, 
buachaillean  a  threuda,  a  theachdairean  agus 
fhianuisean  ann  an  saoghal  nach  b'  airidh 
orra ;  daoine  dileas  agus  ceart-chridheach 
mar  an  ceudna,  a  labhradh  am  Focal  le  cumh- 
achd.  Bha  iad  f6in  agus  an  dream  a  bha 
'gan  geur-leanmhainn  cho  eadar-dhealaichte 
0  cheile  agus  a  bha  a'  chruithneachd  o  'n 
mholl.  Nach  b'  eucorach,  mata,  smaointich 
Obadiah,  gu'm  biodh  a  leithid  sin  de  dhaoine 
a'  fulang  ainneirt  agus  amhghair.  Cia  mor 
an  luach  do  'n  duthaich !  Nach  bu  mhaith 
do  'n  chinneach  sin  anns  am  biodh  na  faidh- 
ean lionmhor,  agus  nach  bu  dubh  an  latha 
sin  anns  an  caillteadh,  na  'n  caillteadh,  iad. 
B'  e  sin  beachd  Obadiah,  agus  nach  'eil  e  fior 
anns  gach  aite  agus  aig  gach  am.  Nach  bu 
choir  dhuinn  a  bhi  sireadh  gu'm  biodh  an 
aireamh  ud  air  a  meudachadh.  "  Is  luach- 
mhor  an  sealladh  an  Tighearna  bas  a  naomh." 
Agus  mar  an  ceudna  am  beatha.  Is  ann  a 
chionn  gu  robh  Obadiah  trom-mhothachail 
air  so,  a  rinn  e  an  gniomh  trocaireach  ata 
air    aithris  'n    ar  ceann-teagaisg. 

3.  Agus  rinn  e  na  rinn  e,  cha  b'  ann  a 
mhain  air  an  sgath  fein,  no  air  sgath  an 
airidheachd  fein,  ach,  os  cionn  gach  ni,  air 
sgath  ainm  mor  lehobhah.  Bha  tlachd  aig 
an  duine  so  an  cliu  Dhe,  'na  fhireantachd 
agus  'na  naomhachd,  'na  throcair  agus  'na 
bhreitheanas,  'na  fhocal  agus  'na  ordaigh- 
ean,  'na  shlainte  agus  'na  ghras.  B'  Esan 
a'  ghrian  o'n  tigeadh  an  solus ;  b'  iadsan 
na  reultan  a  bha  dorcha  annta  fein  gus  an 
do  dhealraich  a  sholus-san  annta.  Cha  b' 
aill  le  Obadiah;  mata,  gu'm  biodh  ni  air  bith 
a  bhuineadh  do  mhoralachd  Dhe  air  a  lughd- 
achadh  am  measg  dhaoine,  ach  gu'm  biodh 
gach  ni  air  a  thoirt  am  follais,  chum  a 
ghloire.  Co  bha  cho  freagarrach  air  so  a 
dheanamh  ris  na  faidhean  sin  anns  an  d' 
analaich  Dia  a  spiorad,  agus  a  bha  'nan  cliu 
d'a  ainm,  d'a  aobhar,  agus  d'a  fhirinn. 
Nach  'eil  e  soilleir,  mata,  gu'n  do  ghradh- 
aich  Obadiah  na  faidhean  cho  mor  a  chionn 
gu'n  do  ghradhaich  e  Dia  nam  faidhean  na 
bu  mhotha.  Mar  dhearbhadh  air  so, 
"  Ghabh  Obadiah  ceud  faidh,  agus  dh'  fhol- 
aich e  iad  'nan  leth-cheudaibh  ann  an 
uaimh,  agus  bheathaich  e  iad  le  h-aran  agus 
uisge." 


18 


4.  Cha  'n  e  mhain  gu  robh  an  gniomh 
so  uasal  agus  eireachdail,  ach  bha  e  sheachd 
f hear r ad  a  chionn  gu'm  b'  eiginn  a  dhean- 
amh  gun  fhios  gun  fhaireachadh  do  dhaoine. 
"  Dh'  fholaich  e  iad  ann  an  uaimh. "  Cha 
bu  ghniomh  e  a  dheanadh  Phairiseach  a 
bhiodh  a'  seirm  le  trompaid  gu  robh  e  dol 
a  mach  a  thoirt  deirce  seachad,  no  bhiodh 
'na  sheasamh  an  coinneachadh  nan  sraid  a' 
togail  a  ghutha  ann  an  iirnuigh.  A  dh'  inn- 
seadh  na  firinn,  cha  bu  ghniomh  e  a  dhean- 
adh neach  air  bith  nach  biodh  toilichte  mur 
faigheadh  e  urrani  o  dhaoine.  Ach  dh' 
fhoghainn  le  Obadiah  gu'n  do  shabhail  e 
beatha  nan  naomh,  agus  gu  robh  fios  aig  Dia 
air  agus  aig  anam  fein.  Rinn  e  direach  mar 
a  bhios  an  Tighearna  e  fein  a'  deanamh.  An 
uair  a  bhios  sluagh  Dhe  an  trioblaid.  no  an 
cunnart,  no  fo  chuing,  is  e  so  fianuis  an 
t-Salmadair  :  "  Folaichidh  e  mi  'na  sgath- 
thigh  an  la  an  uilc ;  folaichidh  e  mi  ann  an 
diomhaireachd  a  phailliuin ;  air  carraig  to- 
gaidh  e  suas  mi."  Agus  bu  trie  a  chuir  ar 
n-aithrichean  an  ceart  smaointinn  sin  ann 
am  facail  cheolmhor  Isaiah :  "  Bithidh 
duihe  mar  ionad-fasgaidh  o'n  ghaoith,  agus 
mar  dhidein  o'n  doininn ;  mar  shruthaibh 
uisge  ann  an  aite  tioram,  mar  sgaile  creige 
moire  ann  an  tir  airsneulaich." 

Is  e  as  ciall  do  'n  ainm,  Obadiah,  "  Fear- 
aoraidh  no  seirbhiseach  an  Tighearna,"  agus 
nach  fhaod  sinn  a  o-habhail  mar  shamhladh 
air  an  Tighearna  losa  Criosd.  Rinn  e  na 
dh'  fhaodadh  e  'na  latha  fhein,  agus  cha  bu 
bheag  na  rinn.  Shabhail  e  beatha  nam 
faidhean,  aon  cheud  dhiubh,  'gam  beath- 
achadh  anns  an  uaimh  le  aran  agus  le  uisge. 
Gun  teagamh,  an  am  na  gainne,  bhiodh  an 
t-aran  ud  mills  do  'n  bhlas  mar  a'  mhil, 
agus  an  t-uisge  mar  an  deoch  a  mhiannaich 
Daibhidh  a  Tobar  Bhetlehem,  ach  bu  shuar- 
ach  sin  an  coimeas  ris  an  Ion  a  tha  an  Tigh- 
earna losa  Criosd  a'  solair  d'  a  shluagh  : 
Gu  deimhin  deimhin  ata  mi  ag  radh  ribh, 
mur  ith  ,sibh  feoil  Mhic  an  duine,  agus  mur 
ol  sibh  fhuil,  cha  'n  'eil  beatha  agaibh  ann- 
aibh.  Esan  a  dh'  itheas  m'  fheoil-sa,  agus 
a  dh'  olas  m'  fhuil-sa,  ata  a'  bheatha 
shiorruiidh  aige ;  agus  togaidh  mise  suas 
e  air  an  la  dheireannach.  Oir  is  biadh 
gu  firinneach  m'  fheoil,  agus  is  deoch  gu 
firinneach  m'  fhuil.  Esan  a.  dh'  itheas  m' 
fheoil-sa,  agus  a  dh'  olas  m'  fhuil-sa,  tha 
e  gabhail  comhnuidh  annam-sa  agus  mise 
annsan." 

(B'e  so  an  searmon  Gdidhlig  mu  dheireadh 
a  bha  air  a  liuhhairt  lets  an  Urraniach 
Ddmhnull  DdmhmvUach,  ministear  Chill- 
Sheathain    agus    Chill-Ghoinnich,    an   Cinn- 


tire.  Tha  Maighstir  Ddmhnull  a  leigeil 
dheth  dreuchd  na  ministrealachd  am  hliadh- 
na,  dreuchd  a  choimhUon  t  gu  dileas  fad  se 
is  da,  fhichead  hliadhna.) 


AONADH      NAN     EAGLAISEAN     AN 
ALBAINN. 

Tha  an  duilleag  so  air  a  cur  a  mach  air 
iarrtus  an  Ard  Sheanaidh  a  dh'  innseadh  do 
mhuinntir  Eaglais  na  h-Alha  ciamar  a  thdis- 
ich  ohair  a7i  Aonaidh  an  toiseach  agus  ciamar 
a  tha  cii'isean  a  nis  a'   seasamh. 

AN  DA  EAGLAIS    Db'n   AON   STOC. 

Cha  'n  'eil  anns  na  h-eaglaisean  Cleireach-  1 
ail  an  Albainn  ach  an  aon  teaghlach.  i 
Thainig  iad  o'n  aon  stoc  :  rugadh  iad  leis  an  ' 
aon  mhathair  :  clann  an  Ath-leasachaidh  a 
tha  annta  uile.  Ma  tha  an  dara  te  a'  dean- 
amh uaill  a  Iain  Knox  faodaidh  an  te  eile  a'  I 
cheart  uaill  a  dheanamh,  oir  buinidh  Iain 
Knox,  agus  Seoras  Wish  art,  agus  Anndra 
Melville,  agus  Samuel  Rutherford,  dhaibh 
le  cheile.  A  thuilleadh  air  sin  cha  'n  'eil 
eadar-dhealachadh  air  bith  eatorra  a  thaobh 
creidimh,  no  a  thaobh  aoraidh,  no  a  thaobh 
riaghlaidh.  Faodaidh  muinntir  na  da 
eaglais  suidhe  comhla  aig  bord  an  Tighearna, 
mar  is  trie  a  rinn  iad  an  am  a'  chogaidh. 
Tha  iad  a'  frithealadh  do'n  aon  seorsa 
dhaoine ;  ag  oibreachadh  taobh  ri  taobh  anns 
a'  h-uile  sgireachd  an  Albainn  eadar  Seall- 
tuinn  agus  a'  chrioch  Shasunnach.  Tha  iad 
cho  coltach  r'a  cheile  ri  da  bhrathair  no  ri 
da  phiuthair. 

c'ar   son  a  dh'  fhanadh  iad  dealaichte  ? 

Car  son  nach  tigeadh  iad  comhla  agus 
nach  deanadh  iad  aon  eaglais  mhor  ghasda? 
Tha  e  air  a  radh  bu  bheil  muinntir  Albainn 
'n  an  daoine  glic,  crionna,  ciiramach,  baigh- 
eil  r'a  cheile;  c'ar  son,  mata,  a  bhiodh  iad 
a'  cumail  suas  da  eaglais  an  uair  a  dhean- 
adh aon  te  feum  a  cheart  cho  maith,  agus 
na  b'  fhearr.  Tha  na  roinnean  a  tha  am 
measg  nan  eaglaisean  'na  rud  cosdail ;  tha 
airgiod  a'  dol  a  dholaidh,  agus  rud  as  miosa 
air  fad,  tha  saothair  mhinistearan  a'  dol  a 
dholaidh.  Ann  an  iomadh  sgireachd  bheag 
far  an  deanadh  aon  mhinistear  feum,  agus 
far  am  biodh  an  sluagh  moran  na  bu  shona 
agus  na  bu  bhraithreile  na'n  robh  iad  ag 
aoradh  comhla,  tha  da  mhinistear  air  an 
cumail  suas,  agus  theagamh  triuir  no 
cheathrar  ann  an  cuid  de  sgireachdan.  Rud 
narach  agus  miltean  anns  na  bailtean  mora 
gun  mhinistear,    gun  bhuaohailleachd  spior- 


19 


adail  iclir !  Ach  tha  sinn  air  fas  cho 
cleachdta  ris  an  eas-aonachd  so  agus  ris  an 
toradh  ghrannda  a  tliainig  aisde  's  nach 
'eil  i  a'  cur  dragh  air  ar  coguisean  mar  bu 
choir.  Cha  'n  'eil  duthaich  air  an  t-saoghal 
anns  a  bheil  uiread  roinnean  gun  aobhar 
's  a  gheibhear  anns  an  eaglais  Chleireachail 
an   Albainn. 

AN  INTINN  A   THA   ANN  AN  EAGLAIS   NA  H-ALBA. 

Cha  'n  'eil  Eaglais  na  h-Alba  a'  toirt 
gnuise  air  bith  do'n  bheachd  nach  gabh 
ciiisean  leasachadh.  Bho  chionn  iomadh 
bliadhna  thog  aithrichean  na  h-eaglais  an 
guth,  cuid  dhiubh  a  tha  an  diugh  anns  an 
iiir,  a'  cur  inijiidh  air  an  luchd-diithcha 
aithne  Chriosd  a  choimhead  agus  bloighean 
na  h-eaglais  a  chur  comhla.  Is  e  sin  inntinn 
Eaglais  na  h-Alba  an  diugh  fhathast ;  le 
guth  a  Cleirean  agus  le  guth  an  Ard-Shean- 
aidh  dh'  innis  i  gu  soilleir  do'n  duthaich  gu 
bheil  i  deas  air  son  an  Aonaidh.  Theagamh 
gu'm  faighear  an  sid  agus  an  so  innte  daoine 
a  their,  "  Is.  fhearr  leinn  a  bhi  mar  tha 
sinn  seach  dol  comhla  ris  na  U.Fs.  ;  c'ar  son 
nach  leig  sibh  leo  an  rathad  fhein  a  ghabh- 
ail?"  Ach  cha  'n  'eil  aireamh  nan  daoine 
sin  ach  beag  laimh  ris  an  aireamh  mhor  anns 
an  eaglais  a  tha  a'  smuaineachadh  cha  'n 
ann  air  an  roghainn  fein  no  air  am  fair- 
eachduinnean  fein  ach  air  maith  spioradail 
na  diithcha.  Cha  bhiodh  Eaglais  na  h-Alba 
dlleas  d'a  prionnspalan  fein,  na  a'  deanamh 
a  dleasdanais  mar  an  eaglais  a  tha  air  a 
steidheachadh  le  lagh  na  rioghachd,  mur 
deanadh  i  oidhirp  air  ballacha  briste  Shioin 
a  charadh  agus  bloighean  na  h-eaglais 
Chleireachail  a  tharruing  r'a  cheile  bu  bhi 
'n  an  aon. 

MAR   A  THOISICH   OBAIR    AN  AONAIDH  AN  DRASD. 

Anns  a'  bhliadhna  1908 — bho  chionn  ochd 
bliadhna  deug — chuir  Eaglais  na  h-Alba 
cuireadh  a  dh'  ionnsuidh  na  eaglais  Shaoir 
Aonaichte  agus  a  dh'  ionnsuidh  na  h-eaglais 
Shaoir  a  dh'  iarraidh  orra  an  comhairle  a 
chur  rithe  gu  saor  agus  gun  chumhachan  air 
bith  a  dh'  fheuchainn  an  gabhadh  an  rathad 
reiteachadh  agus  na  beanntan  a  bha  seasamh 
eatorra  a  charachadh.  Cha  'n  fhaca  an 
eaglais  Shaor  iomchuidh  an  cuireadh  sin  a 
ghabhail,  ach  ghabh  an  Eaglais  U.F.  e,  agus 
chuir  i  aireamh  shonruichte  d'a  daoine  air 
leth  gus  dol  ann  an  seanchas  ris  na  daoine 
againne  mu'n  ghnothuch. 

An  uair  a  bhruidhneadh  gu  saor  taobh  air 
thaobh  chunnacas  gu'n  robh  da  phuing  shon- 
ruichte air  an  robh  Eaglais  na  h-Alba  a' 
seasamh  gu   daingea-n,   agus  da  phuing  shon- 


ruichte air  an  robh  an  Eaglais  U.F.  a'  seas- 
amh a  cheart  cho  laidir. 

B'e  so  na  puingean  air  an  robh  Eaglais  na 
h-Alba  a'    seasamh — 

(1)  Gu'm  feumadh  an  eaglais  an  deidh  an 
aonaidh  a  bhi  'na  h-Eaglais  na  h-Alba 
anns  an  doigh  as  farsuinge;  is  e  sin 
r'a  radh,  'na  h-oighre  dligheach  air 
an  eaglais  a  bha  air  a  h-aideachadh 
leis  an  Staid  bho  am  an  Athleasachaidh 
mar  eaglais  choitchionn  na  duthcha. 

(2)  Gu'm  feumadh  maoin  na  h-eaglais  lean- 
tuinn  rithe  gu  bhi  air  uisneachadh  ann 
an  aobhar  an  t-soisgeil  agus  air  son 
maith  spioradail  an  t-sluaigh  ;  is  e  sin 
r'a  radh,  an  t-airgiod  a  tha  i  nis  '  a' 
faotainn  bho  dheachaimh  a  bha  air  am 
fagail   aice    anns  na  seann    laithean. 

B'e  na  puingean  air  an  robh  an  Eaglais 
U.F.   a'   seasamh — 

(1)  Gu'm  feumadh  saorsa  spioradail  a  bhi 
aig  an  eaglais  an  deidh  an  aonaidh, 
gun  chomas  aig  an  staid  gnothuch  a 
ghabhail  rithe  ann  an  nithean  spiora- 
dail. 

(2)  Gu'm  feumadh  maoin  na  h-eaglais,  a 
togalaichean  agus  a  tighinn-a-steach,  a 
bhi  fo  riaghladh  na  h-eaglais  fein  gu 
buileach,  gun  ghnothuch  aig  an  staid 
no    aig   tighearnan-fearainn    riu. 

ACHDAN  PARLAMAID,  1921  AGUS  1925. 

An  uair  a  rainig  an  da  thaobh  seorsa  de 
chordadh  mu  na  puingean  sin  chuir  Eaglais 
na  h-Alba  roimhpe  gu'm  feuchadh  i  ri  Achd 
Parlamaid  fhaotainn  a  bheireadh  dhi  na 
nithean  a  bha  an  Eaglais  U.F.  ag  iarraidh. 
Bha  gach  ceum  air  a  ghabhail  gu  reidh  ciuin 
laghail,  le  Cleirean  agus  Seanadh  na  h- 
eaglais,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
thug  a'  Pharlamaid  do'n  eaglais  na  corai- 
chean  uile  a  thagair  agus  a  dh'    iarr  i.    ' 

Leis  a'  cheud '  Achd,  Achd  1921,  dh' 
aidich  an  Staid  gu  bheil  saorsa  iomlan  aig 
Eaglais  na  h-Alba  a  nis  a  thaobh  gach  cuis 
spioradail,  agus  nach  buin  e  do'n  Staid 
gnothuch  a  ghabhail  rithe  anns  na  nithean 
sin.  Leis  an  ath  Achd,    Achd    1925,   tha 

maoin  agus  togalaichean  na  h-eaglais, 
eaglaisean  is  mansichean  is  glioban,  air  an 
toirt  thairis  do'n  eaglais  gu  brath,  gu  bhi 
air  an  riaghladh  le  cileadairean  a  bhios  air 
an  cur  air  leth  air  son  a'  ghnothuich  leis  an 
Ard-Sheanadh. 

Mar  so  rinn  Eaglais  na  h-Alba  na  b' 
urrainn  i  a  dheanamh  gus  an  t-Aonadh  a 
chur  air  aghaidh  an  Albainn;  dh'  fhosgail 
i  an  rathad  gus  dol  an  coinneamh  na  h- 
Eaglais  U.F..  no  eaglais  Chleireachail  air 
bith  eile   an   Albainn. 


20 


Bha  fhios  aice  gu  maith  nach  b'  ann  gun 
uhunnart  dhi  fhein,  no  gun  chall  saoghalta 
cuideachd,  a  bha  i  a'  cur  a  cuisean  agus  a 
coraichean  fo  laimh  Parlamaid,  ach  air  a 
shon  sin  b'  fhearr  leatha  an  cunnart  agus 
an  call  a  sheasamh  seach  stad  air  an  t-slighe 
no  tionndadh  air  a  h-ais.  Bidh  e  'n  a 
chall  dhi  gu  bheil  aice  a  nis  ris  na  h-eaglais- 
ean  agus  na  mansaichean  a  bhuineas  dhi  a 
chumail  suas  an  aite  iad  a  bhi  air  an  cumail 
suas  leis  na  h-uachdarain-fearainn  mar  a 
b'  abhaist.  Ach  air  an  laimh  eile,  co  dhiu 
athig  an  t-aonadh  no  nach  tig,  rinn  Eaglais 
na  h-Alba  an  rud  ceart,  agus  an  rud  onor- 
ach,  agus  an  rud  misneachail  ;  ciod  air  bith 
a  thachras  bidh  coguis  ghlan  aice  am  fianuis 
muinntir  Albainn  agus  am  fianuis  nan 
eaglaivsean  Prostanach  eile  air  feadh  an  t- 
saoghal,  oir  rinn  i  a  dleasdanas  mar  mha- 
thair  ann  a  bhi  feuchainn  ris  a'  chloinn  a 
dhealaich  rithe  a  tharruing  aon  uair  eile 
r'a  cheile  ann  an  spiorad  a'  ghraidh. 

c'ar  son  a  dh'  iarramaid  an  t-aonaidh  so. 

Tha  fichead  reuson  gu'n  rachadh  na  h- 
eaglaisean  Cleireachail  an  Albainn  comhla, 
ach    faodar   iad    so   ainmeachadh  : — 

(1)  Is  e  aon  nasuinn  agus  aon  phobull  a  tha 
againn  an  Albainn,  rud  a  tha  Albannaich 
daonna^  ag  aideachadh  an  uair  a  thachras 
iad  air  a  cheile  ann  an  duthchannan  eile. 
C'ar  son  nach  h-aidicheadh  iad  am  braith- 
reachas  aig  an  tigh  le  bhi  ag  aoradh  anns  an 
aon  eaglais?  Is  e  an  eaglais  Chleireachail 
eaglais   dhuthchasail   na   h-Alba. 

(2)  Mur  bheil  aobhar  cudthromach  air  a 
shon,  tha  eas-aonachd  calg-dhireach  an 
aghaidh  spiorad  na  diadhaidheachd.  Tha  an 
eas-aonachd  agus  an  raiteachas  a  tha  am  measg 
Chriosduidhean  a'  cur  an  da  chuid  ionghn- 
adh  agus  grain  air  daoine  oga,  air  chor 
agus  gu  bheil  moran  dhiubh  a'  tionndadh 
air  falbh  bho'n  eaglais  Chriosduidh  uile  gu 
leir. 

(3)  Tha  an  da  chuid  ministearan  agus  air- 
giod  air  an  cur  a  dholaidh  an  uair  a  tha  dha 
no  tri  no  ceithir  eaglaisean  far  an  deanadh 
aon  te  feum,  agus  sin  ann  an  laithean  anns 
a  bheil  obair  an  t-soisgeil  a'  fulang  an  iom- 
adh  cearn  le  cion  mhinistearan  agus  le  cion 
airgid. 

(4)  Tha  duileadasan  anns  an  bailtean- 
mora  agus  anns  na  h-aitean  far  a  bheil  an 
sluagh  dumhail  a  dh'  fhairtlicheas  air  na 
h-eaglaisean  gu  brath  cho  fhad  agus  nach 
'eil    aonachd    'n   am  measg  fein. 

(5)  Tha  clann  na  h-eaglais  Chleireachail 
air  feadh  an  t-saoghail  uile  ag  aideacha'dh- 
Eaglais  na  h-Alba  mar  am  mathair,  agus  ag 
aideachadh  Albainn  mar   an    duthaich   agus 


an  dachaidh  spioradail.  Bhiodh  e  'na  latha 
mor  agus  'na  latha  aoibhneach  na'n  rachadh 
aig  an  t-seana  mhathair  air  a  tigh  a  chur 
an  ordugh  agus  a  teaghlach  briste  a  chruinn- 
eachadh  comhla. 

(6)  Tha  Dia  a'  gairm  air  muinntir  Al- 
bainn an  diugh  an  soisgeul  a  thoirt  d'an 
luchd-diithcha  a  chaidh  a  mach  do  na  duth- 
channan thall,  agus  an  soisgeul  a  thoirt  do 
na  cinnich  nach  cuala  riamh  e.  Cha  'n 
urrainn  na  h-eaglaisean  a'  ghairm  sin  a 
fhreagairt  gu  ceart  a  chionn  gu  bheil  an 
eas-aonachd  agvis  an  raitheachas  'g  am 
fagail  bochd. 

(7)  Tha  an  eaglais  Phapanach  a'  togail 
a  cinn  an  Albainn  an  diugh  mar  nach  do  rinn 
i  riamh  bho  am  an  Ath-leasachaidh,  a  gabh- 
ail  cothroim  air  na  roinnean  a  tha  'n  ar 
measg-ne.  Cha  'n  'eil  roinnean  no  eas- 
aonachd  an  Eaglais  na  Roimhe.  Ri  aghaidh 
a'  Phapa  bu  choir  dhuinne  seasamh  an 
guaillibh  a  cheile. 

(8)  Am  measg  gach  guth  agus  gach  argu- 
maid  eile  a  tha  labhairt  ri  sluagh  Albainn 
tha  aon  ghuth  as  soluimte  na  gach  guth  eile, 
guth  an  Tighearna  losa  air  a  thogail  gu 
neamh  ann  an  urnuigh  anns  a'  gharradh 
an  lerusalem  a'  guidhe  air  Dia,  "  gu'm  hi 
iad  uile  nan  aon;  chum,  mar  a  tha  Thusa, 
Athair,  annam-sa,  agus  mise  annad  sa;  git 
'm  hi  iadsan  mar  an  ceudna  'nan  aon  ann- 
ainne;  chum  gu'n  creid  an  saoghal  gu'n  do 
chuir  Thusa,  uait  mi." 


IS  BRAITHREAN  SINN  UILE. 

0  b'    aluinn  an  dachaidh 
Bhiodh   againn    's  an  t-saogh'l, 
Na'n  sguireamaid  comhla 
D'ar  connspaidean  faoin, 
'S  gu'n   abradh  gach   duine 
Ri  'urra,  le  baigh — 
"  Is  braithrean  sinn   uile. 
Fair  dhomhsa  do  lamh. " 

Nach  bronach   an  sgeul  e 
Gu'm  feum  sinn  bhi  strith, 
'N  uair  dh'   fhaodamaid  cordadh 
'S   tigh'nn  beo  ann  an   sith ; 
Le  failte    's  le    furan 
Bu  duineil  bhi  'g  radh — 
"  Is  braithrean  sinn    uile, 
Fair  dhomhsa  do  lamh." 

Gu  luath  thig  an  aois  oirnn 
'S  an  t-aog  air    a  cul ; 
'S  gun  dail  theid  ar  caramh 
Gu  samhach  's  an  uir ; 
'S  a'  chill  ni  sinn  cadal 
Gu   maduinn   La  Bhrath — 
Is  braithrean  sinn  uile. 
Fair  dh6mhsa  do  lamh. 


Air.    6. 


1926. 


COR  NA  DUTHCHA. 

Fu  sgdile  do  sgiathan  gahhaidh  mi  mo 
thearmunn  gus  an  teid  na  h-uilc  so  idle 
thairis. — Salm,  Ivii.   i. 

Tha  dochas  agam  gu'm  bi  na  h-uilc  a  tha 
bagairt  air    an   rioghachd   an   diugh    thairis 
ni'  an  ruig  an  duilleag  so  ar  luchd-leughaidh, 
ach     eadhon     ged     nach     bitheadh,  cha'n'eil 
feum  air  bith  ann  do  dhaoine  suidhe  sios  fo 
na  craobhan-aiteil  ag  osnaich  agus  ag  ocha- 
naich  mar  gu'm  biodh  deireadh   an  t-saogh- 
ail    dliith.      Cha   'n  e  sin    an  doigh  idir   air 
cuisean  a  cheartachadh.      Is  e  a'  ghairm  a  tha 
tighinn  thugainn  an  diugh,    "  Bithidh  mis- 
neachail    agus    bithibh    gaisgeil    air    son    ar 
sluaigh  agus  air  son   bhailtean  ar  De,   agus 
deanadh    lehobhah    an   ni    a   tha    maith    'na 
shiiilean."        Tha  Dia   a'    toirt  cothrom   d'a 
shluagh  anns  na  laithean  so  air  dearbhadh  a 
thoirt  do'n  t-saoghal  gur  h-iadsan  salann  na 
talmhainn;   tha    e  mar  fhiachaibh  air    buill 
na  h-eaglais  eiseimpleir  a  thoirt  do  dhaoine 
eile  le  am  faighidinn  agus  an  ciiiine,  eiseim- 
pleir  a  thaobh  umhlachd   do  lagh  Dhe,   agus 
umhlachd    do    na  cumhachdan   a  tha   air   an 
orduchadh  le  Dia. 
.        Tha     na    laithean    so    deuchainneach    gun 
i;  teagamh,     cho     deuchainneach     's    gur     coir 
dhuinn  uile  dol  air  ar  gliiinean  gu  trie  a  dh' 
urnuigh  ri  Dia   as  leth  ar  duthcha,  ach  ciod 
air  bith  a  thig  asda  cha  ruig  sinn  a  leas  eagal 
a   bhi    oirnn  gu'n  cuir  so  crioch  air  Breat- 
unn.      Tha  cridhe  agus  anam  Bhreatuinn  na 
's  laidire  na  gu'n  cuir  an  influenza  so  crioch 
oirre.       Cha'n'eil    taobh    sam   bith    agam-sa 
ris  na  Bolshevics,  ach  cha  mho  a  tha  e  furasda 
dhomh   eisdeachd    le   faighidin   ri    daoine   a. 
bhios   a'   cur   eagal    nam   bochdan    sin   orm. 
Na  daoine  a  bhios  ag  osnaich  agus  ag  ocha- 
naich  mar  gu'm  biodh  muinntir  na  diithcha 
so  cho  maol  no  cho  gealtach  's  gu'n  leigeadh 
iad  le  Bolshevics  a  Russia  no  a  Cluaidh  an 
cur    fo  smaig  an     aghaidh  an  toile,    tha  na 
daoine  sin  tur  aineolach  air  gne  agus  air  dan- 
narrachd  ar  sluaigh.     Tha  a  h-uile  duilleag 
ann  an  eachdraidh  ar  duthcha  a'  teagasg  gu 
bheil  gaol  aig  Breatunnaich  air  saorsa  nach 
'eil  aca  air  airgiod  fhein,  ged  is  mor  an  gaol 
air   airgiod,    air  chor  agus   gu   'm    faigh  na 
Bolshevics  an  suilean   fhosgladh  ma  tha  iad 
an  duil  nach  'eil  annta  ach  drobh  chaorach. 
Gheibh  iad  a  mach  nach  e  caoraich  a  tha  aca 
idir  ach  coin-thairbh.    Ciod  air  bith  a  dhean- 
adh    Eirionnaich   no    Albannaich    b'     fhearr 
le  Tain  Bull  am  bas  na  gu'n  striochdadh  e  do 


chumhachd  fo'n  ghrein  ach  a  thoil  fhein, 
agus  le  a  thoil  fhein  tha  e  a'  ciallachadli  lagli 
na  Parlamaid  a  chuir  e  fh^in  air  chois.  Tha 
toil  agus  cridhe  ar  sluaigh-ne  laidir  agus 
ruighinn,  cho  laidir  agus  nach  leig  Papa  no 
Bolshevic  a  leas  feuchainn  ri  cuing  a  chur  air 
an  amhaich  an  aghaidh  an  toile. 

Faodar,  mata,  earbsa  a  chur  ann  am 
muinntir  na  duthcha  gu'n  giiilain  iad  iad 
fein  gu  misneachail  agus  ga  glic  aig  an  am 
so,  agus  gu'm  faigh  iad  doigh  air  chor-eigin 
air  cuisean  a  reiteachadh  gu  laghail  agus  gu 
cothromach.  Agus  gus  leasan  a  thoirt  do 
luchd-na-h-ochanaich  a  bhios  a'  bruadar  air 
na  Bolshevics  anns  an  oidhche,  agus  bho  nach 
cluinnear  aon  fhacal  fad  finn  foinneach  an 
latha  ach  "  Mo  chreach,  mo  chreach,  cha  robh 
an  duthaich  riamh  'na  leithid  so  de  shuidh- 
eachadh,"  bu  mhaith  leam  naigheachd  bheag 
innseadh  dhaibh,  comhradh  a  bha  eadar  da 
choimhearsnach  air  maduinn  Sabaid  an  am 
a'  chogaidh.  Tha  an  naigheachd  air  a  h- 
innseadh  le  I.  P.  Struthers  nach  maireann, 
rainistear  a  bha   ann  an  Grianaig. 

B'e  ainm  fir  dhiubh  Uilleam  agus  ainm  an 
fhir  eile  Anndra.  B'  ann  de  'n  t-seorsa  a  bhios 
ag  osnaich  agus  ag  ochanaich  a  bha  Uilleam ; 
an  seorsa  a  bhios  a'  caoidh  cor  na  duthcha, 
no  cor  na  h-eaglais,  no  cor  an  t-saoghail, 
gun  sgur.  Bha  e  'na  dhuine  gearanach  mi- 
thoilichte,  laidir  'na  bheachd,  is  duil 
aige  nach  robh  ann  an  daoine  eile  ach 
daoine  aineolach  an  coimeas  ris  fhein.  Bha 
Anndra  'na  dhuine  samhach  ciallach  a  bhiodh 
a'  tomhas  a  briathran,  duine  leis  nach  bu 
toil  rabhart  cainnte. 

Maduinn  Sabaid  a  bha  iad  a'  seanchas 
thairis  air  a'  gharradh  a  bha  eadar  na  tigh- 
ean  aca  thuii't  Uilleam,  '' Tha  mi  an  duil 
nach  robh  am  riamh  ann  an  eachdraidh  na 
duthcha  cho  cunnartach  's  a  tha  againn  an 
drasd. " 

"  Cha  'n  'eil  e  gun  chunnart  gun  teag- 
amh,"   fhreagair  Anndra. 

"Gun  chunnart,"  ars'  Uilleam,  "tha  mi 
ag  radh  riut  nach  robh  am  eile  riamh  ann  cho 
cunnartach  ris. " 

"  Laithean  soluimte  gun  teagamh,"  ars' 
Anndra. 

"  Cho  soluimte,"  fhreagair  Uilleam  gu  cas, 
" 's  nach  robh  laithean  cho  soluimte  riu  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail  uile.  Ciod  air 
bith  a  their  thusa  is  e  sin  a  their  a  h-uile 
duine  glic,  agus  is  e  sin  a.  tha  na  paipearan- 
naigheachd  ag  radh,  nach  robh  laithean  mai' 
so  ann  bho  thoiseach  an  t-saoghail." 


22 


"  A  bheil  cuimhne  agad  ciod  a  thachaii- 
amis  an  Fhiaing  air  a'  cheathranih  la  fichead 
de   Auguist,    1672,"    ars'   Anndra. 

Chuir  so  stad  beag  air  ochanaich  Uilleam  ; 
"  cha  'n  urrainn  mi  a  radh  gu  bheil,"  ars" 
esan. 

"Sin  agad,  mata,  an  la  ris  an  abrar  la  an 
Naoimh  Bartolemus,  an  la  air  an  robh  ceithii- 
mile  de  na  Huguenots  air  am  mort.  Agus 
a  bheil  fhios  agad  ciod  a  thachair  anns  an 
Spainnt  air  a'  cheud  la  de  'n  cheitein  ann  an 
1545?  No  ciod  a  thachair  an  Russia  air  an 
dara  la  de  April,  1512  1  No  am  Peru  ann  an 
154:4?  No  an  Guatemala  ann  an  1524?  No 
an  Afgh,anistan  ann  an  1725?  No  an  Tibet 
ann  an  1318?  An  aithne  dhuit  aon  ni  a 
thachair  anns  an  Asia  eadar  550  agus  1100? 
No  aon  ni  a  thachair  ann  an  China  fad  da 
mhile  bliadhna  roimh  bhreith  Chriosd,  no  fad 
mile  bliadhna  'n  a  dheidh?" 

"  An  aithne  dhuit  fhein,"  ars'  Uilleam  gu 
frionasach,  "  ciod  a  thachair  anns  na  duth- 
channan  sin   anns  na  bliadhnachan  sin?" 

"  Cha  'n  aithne  gu  dearbh,"  ars'  Anndra, 
"  ach  gus  am  bi  barrachd  eolais  agam  air 
eachdraidh  an  t-saoghail  na  tha  agam  cha  bu 
mhaith  leam  a  bhi  cleachdadh  nam  briathran 
a  bhios  tusa  a'  cleachdadh,  "nach  fhacas  agus 
iiach  cualas  riamh  leithid  nan  laithean  so." 

Chuir  so  an  fhearg  air  Uilleam  agus  is  e 
a  thubhairt  e,  "  Mur  h-aithiie  dhomh  eachd- 
raidh an  t-saoghail  tha  eolas  agam  air  a' 
Bhiobull." 

"  An  aithne  dhiut,  mata,"  ars'  Anndra, 
ciod  a  thacair  ann  an  2348  roimh  bhreith 
Chriosd,  no  ann  an  538?" 

"  Cha  'n  'eil  cuimhne  agam,"  ars'  Uilleam 

"  Theagamh  nach  'eil,"  ars'  Anndra;  ann 
an  2348  B.C.  thainig  an  tuil  air  an  t-saoghal, 
agus  ann  an  538  B.C.  thuit  Babilon  mor. 
Ach  bidh  cuimhne  agad  ciod  a  thachair  ann  an 
70  an  deidh  breith  Chriosd  ? 

Mar  dhuine  as  am  biodh  na  fiaclan  'gan 
tarruing  fhreagair  Uilleam,  "  Cha  'n  urrainn 
mi  a  radh  gu  bheil." 

"  B'e  sin  a'  bhliadhna  anns  an  robh 
Jerusalem  agus  an  teampull  air  an  leigeadh 
gu  lar  le  saighdearaii  na  Roimhe,  a'  bhliadh- 
na anns  an  robh  an  fhaistneachd  a  rinn 
Criosd  air  a  coimhlionadh,  "  anns  an  am  sin 
bithidh  amhghar  mor  ann,  amhuil  nach  robh 
ann  o  thiis  an  domhain  gus  a  nis,  agus  nach 
mo  a  bhitheas  a  chaoidh." 

Cha  do  chord  so  idir  ri  Uilleam;  "  ma  tha 
mise  'g  ad  thuigsinn,"  ars'  esan,  "  tha  thu 
a'  ciallachadh  nach  'eil  an  t-am  so  idir  cun- 
nartacli." 

"  Cha  d'  thubhairt  mise  dad  de  'n  t-seorsa 
sin,"  ars'  Anndra,  "  is  e  na  thubhairt  mi 
eu'm  bu  choir  dhuinn  le  cheile  ar  briathran 


a  thomhas,  agus  an  tuilleadh  eolais  a  bhi 
againn  air  eachdraidh  an  t-saoghail  m'  an 
toisich  sinn  air  a  radh  mu  na  laithean  so 
nach  robh  an  leithid  riamh  ann  no  laithean 
cho  cunnartach  riu.  Dh'  fhaodainn-sa  a 
radh  gu  bheil  an  cal  anns  a'  gharradh  agad 
fhein  a'  sealltuinn  gu  maith  ach  cha  'n  ionn- 
an  sin  agus  na'n  abrainn  nach  robh  cal  riamh 
air  an  t-saoghal  cho  mhaith  ris." 

"  Co  a  bha  bruidhinn  air  cal  ?  "  ars' 
Uilleam;  "  cha  b'  ann  air  cal  a  bha  mise  a' 
bruidhinn." 

Bha  Anndra  a'  dol  a  radh  rud-eigin  eile, 
ach  chuimhnich  e  air  an  fhacal  ud  a  labhair 
an  duine  glic,  agus  dh'  fhan  e  samhach,  'Ged 
phronnadh  tu  amadan  ann  an  soitheach- 
pronnaidh  am  measg  cruithneachd  le 
bruthadair   cha   dealaich  amaideachd   ris.' 


ANNS  A  CHATHAIR. 

An  uiridh  bha  cruinneachadh  mor  an  Dun- 
eideann  :  chruinnich  mile  gu  leth  de  dhaoine 
foghluimte  a  chur  an  comhairle  ri  cheile  mu 
obair  mhaighstirean-sgoile  agus  mu  theagasg 
na  cloinne.  Bha  iad  ann  as  gach  cearn  de 
'n  t-saoghal  :  bha  iad  ann  a  letli-cheud  riogh- 
aclid,  eadar  Japan  agus  Peru,  eadar  Loch- 
lann  agus  eileanan  iomallach   na  Pacific. 

An  deidh  laimhe  bha  na  h-6raidean  a  bha 
air  an  liubhairt  leis  na  maithean  ud,  agus 
an  deasbud  a  thog  iad  aig  a'  choinnimh,  air 
an  cur  a  mach  ann  an  da  leabhar  mhor  thiugh 
leabhraichean  anns  a  bheil  se  deug  agus  tri 
fichead  iinnsa  de  chudthrom,  oir  chuir 
mise  le  mo  laimli  fhein  air  a'  mheidh  iad. 
Cha  do  cheannaich  mise  na  leabhraichean  so 
dhomh  fhein,  oir  cha  'n  '  eil  e  'na  chleachd- 
adh  agam  a  bhi  toirt  oir  air  son  umha,  ach 
thug  caraid  coir  iasad  dhiubh  dhomh,  agus 
bho  chionn  la  no  dha  bha  mi  a'  sealltuinn  'n 
am  broinn  an  drasd  's  a   rithist. 

Ann  an  toiseach  na  h-oidhche  agus  mi  a' 
leughadh  oraid  a  bha  air  a  liubhairt  le  boir- 
ionnach  air  an  robh  an  t-ainm  boidheach, 
Lillian  de  Lissa,  thachair  aon  rud  orm  ris  a 
bheil  mi  a'  cur  m'  aonta,  nach  bu  choir  do 
mhaighstirean-sgoile  a  bhi  cur  eagail  air 
cloinn,  a  chionn  nach  'eil  an  t-eagal  ach  a' 
puinnseanachadh  an  inntinn.  Cha  'n  'oil  e 
a'  deanamh  maith  sam  bith  dhaibh.  Theag- 
amh a  leughadair,  gu'n  cuir  thusa  'n  am 
chuimhne  comhairlean  Sholaimh  mu'n 
chloinn  agus  mu  'n  t-slait,  agus  gu'n  abair 
thu,  An  tusa  as  giice  na  Solamh?  Cha  'n  'eil 
mise  a'  gabhail  orm  a  bhi  na  's  glice  na  Sol- 
amh, ach  air  a  shon  sin,  na'n  robh  claim 
agam,  cha  b'  ann  ri  Solamh  a  dh'  earbainn 


23 


an   teagasg,    oir    cha    do    rinn   e    ach   obair 
bhochd  am  measg  a  chloinne  fein. 

Araoii  anus  an  sgoil  agus  anns  a'  cliu- 
baid  cha  bu  choir  do  luchd-teagaisg  a  bhi 
feuchainn  ri  toil  cloinne  no  toil  dhaoine  mora 
a  ghluasad  le  bhi  a'  cuir  eagail  orra.  Agus 
gu  sonruichte  cha  bu  choir  dhaibh  a  bhi  cur 
eagal  ifrinn  orra.  An  uair  a  bha  Dughall 
Bochanan  eadar  coig  agus  se  bliadhna  a  dh' 
aoivS  chaidh  e  mach  aon  Domhnach  gun  fhios 
d'a  mhathair,  a  chluich  comhla  ri  balaich 
eile,  agus  an  oidhche  sin  bha  a  leithid  de 
eagal  air  a'  dol  a  laighe  ',s  gu  'n  do  bhruad- 
air  e  gu  'n  robh  an  Tighearna  losa  a'  tigh- 
inn  thuige  ann  an  corruich  a  dheanamh 
dioghaltais  air  a  chionn  gu  'n  do  bhris  e  an 
t-Sabaid.  Fad  laithean  a  leanabachd  bha  e 
air  a  phianadh  le  seallaidhean  uamhasach 
agus  le  aislingean  na  h-oidhche,  seallaidhean 
is  aislingean  a  chuir  eagal  air  a  ohridhe. 
Bhiodh  e  a'  bruadar  mu  la  a'  breitheanais 
agus  'g  a  fhaicinn  fhein  air  a  thilgeadh  ann 
an  loch  teine  gu  siorruidh. 

•  Anns  na  laithean  anns  an  robh  Dughall 
Bochanan  beo  theagamh  gu'n  robh  na  paran- 
tan  a  bhiodh  a'  cur  eagal  ifrinn  air  an  cloinn 
air  an  cunntas  'n  am  parantan  glic  agus 
eudmhor,  agus  gun  teagamh  bha  mathair 
Dhiighaill  Bochanan  'na  boirionnach  diadh- 
aidh,  ach  air  a  shon  sin  cha  chreidinn-sa 
bho  neach  o'n  ghrein  gu  bheil  e  nadurra  do 
phaisde  coig  bliadhna  a  dh'  aois  a  bhi 
bruadar  air  ifreann,  no  gu  bheil  e  nadurra 
dha  a  bhi  smuaineachadh  air  an  Tighearna 
losa  mar  neach  a  tha  dol  a  dheanamh  diogh- 
altais air  a  chionn  gu'n  do  rinn  e  cluich 
bheag  neo-chiontach  air  an  t-Sabaid,  ann  an 
aotramas  a  chuirp  agus  a  chridhe, — rud  anns 
nach  do  smuainich  e  gu'n  robh  olc.  Cha  'n 
'eil  sin  idir  nadurra,  agus  ma  tha  na  fair- 
eachduinnean  sin  air  an  dusgadh  ann  an 
cridheachan  cloinne,  tha  cron  mor  air  a 
dheanamh  orra,  cron  a  dh'  fhaodas  am  beatha 
a  mhilleadh  agus  an  cur  air  seachran  bho 
Dhia.  Rud  bronach,  gu'm  biodh  beachdan 
cearr  air  an  cur  ann  an  cridheachan  oga  a 
thaobh  Dh6.  Tha  lagh  na  rioghachd  a' 
peanasachadh  duine  a  thogas  droch  thuaileas 
air  duine  eile,  ach  ciod  a  theirear  ris  na  da- 
oine  a  tha  togail  droch  thuaileas  air  Dia 
fhein,  a'  cur  as  a  leth  gu  bheil  ruintean  is 
faireachduinnean  borb  'na  chridhe  nach  'eil 
ann  idir'?  An  uair  a  chluinneas  tusa,  a 
leughadair,  duine  air  bith  a'  cur  as  leth  an 
Tighearna  gu'n  do  rinn  no  gu'n  dean  e 
gniomh  cruaidh-chridheach  nach  deanadh  tu 
fhein  air  son  an  t-saoghail,  faodaidh  tu  a 
bhi  cinnteach  nach  aithne  do'n  duine  sin  Dia. 
Tha  Dia  uasal  agus  glan ;  glan  'n  a  ghniomh- 
aran  is  uasal  'na  chridhe  agus  'n   a  ghne. 

Bho  airde  nan  neamh,  agus  ann  an  coim- 


eas  ri  naomhachd  Dhe,  cha  'n  'eil  miighadh 
as  fhiach  iomradh  a  dheanamh  air  eadar  aon 
duine  agus  duine  eile  air  thalamh,  ma  ghabh- 
ar  iad  thar  a  cheile,  air  chor  agus  nach  e 
idir  an  seorsa  iompachaidh  air  a  bheil  a' 
mhor-chuideachd  de  dhaoine  feumail  gu  'm 
biodh  iad  air  an  tionndadh  bho  aingiclh- 
eachd  gu  naomhachd ;  o  bhi  deanamh 
uilc  gu  bhi  deanamh  maith.  A  thaobh  na 
mor-chuideachd  de  dhaoine  an  t-saoghail  so 
tha  e  fior,  nach  'eil  iad  an  dara  cuid  ana- 
barrach  aingidh  no  anabarrach  maith.  Is  e 
an  seorsa  iompachaidh  air  am  bheil  feum  aca 
gu'm  biodh  an  sixilean  agus  an  cridheachan 
air  am  fosgiadh  a  chum  's  gu'm  faic  agus  gu 
'm  fairich  iad  Dia;  gu'm  faic  iad  a  mhaise 
agus  gu  'm  fairich  iad  a  lathaireachd.  Do 
mhoran  dhaoine  cha  'n  'eil  Dia  'n  a  Dhia 
beo  idir,  cha  'n  'eil  ann  ach  Ni-eigin  fad 
air  falhh  air  an  cual  iad  iomradh  le  eisd- 
eachd  na  eluaise,  agus  anns  a  bheil  iad  a' 
creidsinn  direach  mar  tha  iad  a'  creidsinn 
gu  bheil  Melbourne  ann  an  Astralia,  no  gu'n 
robh  a  leithid  de  dhuine  agus  Mahomet  ann. 
Cha  'n  e  sin  an  daimh  amis  am  bu  choir  cio 
dhaoine  a  bhi  seasamh  ri  Dia,  agus  is  e  an 
t-iompachadh  air  a  bheil  feum  aca  gu'm 
biodh  faireachduin  air  lathaireachd  Dhe  anns 
an  t-saoghal  agus  'n  am  beatha  air  a  dhiis- 
gadh  'nan  cridheachan,  agus  cha  'n  e  mhain 
faireachduinn  air  a  lathaireachd  ach  dear- 
bheachd  a  thaobh  a  ruintean  agus  a  throcair 
agus  a  ghraidh.  Sin  an  i-aobhar  gur  h-ann 
aig  crann-ceusaidh  an  t-Slanuighir  a  tha 
cridheachan  cruaidh  dhaoine  air  am  briseadh 
mar  is  bitheanta,  oir  cha  'n  'eil  aite  eile  air 
thalamh  anns  am  faic  daoine  maise  agus 
caomhalachd  agus  gradh  an  Athar  a,  ta  air 
neamh  mar  a  chi  iad  e  aig  bonn  a,'  chroinn- 
cheusaidh. 

Ann  am  fear  de  na  leabhraichean  a  sgriobh 
A.  C.  Benson,  mac  Easbuig  de  'n  eaglais 
Shasunnaich,  tha  e  ag  innseadh  mu  na  beach- 
dan  a  bha  aige  air  Dia  'n  a  oige.  Bha  e  air 
a  thogail  agus  air  a  theagasg  le  ciiram  diadh- 
aidh.  Bha  e  a'  creidsinn  ann  an 
Dia  gun  uiread  agus  aon  teagamh  a  chur 
riamh  ann,  ach  cha  robh  comunn  air  bith 
eadar  e  fhein  agus  Dia ;  bha  e  a'  creidsinn 
ann  mar  a  bha  e  a'  creidsinn  anns  na  leasain 
a  dh'  ionnsaich  e  anns  an  sgoil.  Cha  robh 
Dia  maiseach  no  ion-mhiannaichte  'n  a 
shiiilean ;  bha  e  a'  smuaineachadh  air  Dia 
mar  gu'm  biodh  bodach  mor  a  bha  fiadhaich 
sean,  fada  fada  os  cionn  an  t-saoghail  so, 
agus  gun  e  a'  gabhail  gnothuich  ri  cloinn  nan 
daoine  ach  a  mhain  gu'm  biodh  e  a'  cumail 
a  shula  orra  a  dh'  fheuchainn  ciod  an  t-olc 
a  bha  iad  a'  deanamh. 

Cia  meud  balaoh  agus  caileag'  anns  an 
diithaich  aig  a  bheil  na  ceart  bheachdaii  sin 


24 


inu  Dhia.  Gun  teagamh  tha  e  duilich  claim 
6g  a  theagasg  ann  an  eolas  Dhe  oir  is  spiorad 
Dia ;  tha  e  duilich  smuaintean  cothromach 
a  chur  ann  an  inntinnean  beaga  mu  na- 
dur  agus  mu  riiintean  agus  mu  dhoighean  an 
Ti  Uile-chumhachdaich  agus  neo-fhaicsinn- 
ich.  Ach  gabhaidh  an  rud  deanamh  gun  a 
chur  an  cridhe  na  cloinne  naoh  'eil  ann  an 
Dia  ach  jjoliceman.  Parantan  air  bith  no 
luchd-teagaisg  air  bith  a  tha  toirt  nam 
beachdan  sin  d'  an  cloinn  no  d'  an  luchd- 
eisdeachd, — cha  bhi  iad  gun  chionta  ma  dh' 
fhanas  a'  chlann  sin  agus  an  luchd-eisdeachd 
sin  air  falbh  bho  Dhia,  gun  an  t-iarrtus  a  bhi 
air  a  dhusgadh  'nan  toil  agus  'nan  cridhe, 
'  Eirigh  mi  agus  theid  mi  a  dh'  ionnsuidh 
m'  athar.' 

Gu  fortanach  tha  ni-eigin  ann  an  cridhe 
mhic  an  duine  gu  nadurra  a  dhionas  e  bho 
bheachdan  feall,  agus  fasaidh  clann  gu  trie 
a  mach  as  na  beachdan  a  bha  air  an  teagasg 
daibh  'nan  oige  mar  a  dh'  fhasas  iad  a  mach 
as  an  aodach,  no  mar  a  dh'  fhasas  am  partan 
a  mach  as  a  shlige. 

Ged  a  b'  ainmeil  an  diadhair  lonatan  Ed- 
wards cha  bu  mhaith  leam  a  leigeil  a  steach 
do  mo  chubaid,  agus  idir  idir  cha  leiginn  a 
steach  do  mo  sgoil-Shabaid  e.  Bha  am  de 
mo  bheatha  anns  am  bithinn  a'  leughadh  a 
leabhraichean,  agus  anns  an  robh  meas  mor 
agam  air,  a  chionn  gu  robh  e  air  a  theagasg 
dhomh  gur  e  duine  comasach  a  bha  ann,  agnis 
a  chionn  gu  robh  mi  a'  creidsinn  na  dh' 
innis  mo  luchd-teagaisg  dhomh  uime,  ach  an 
diugh  cha  'n  'eil  ann  am  briathran  lonatan 
Edwards  dhomh  ach  mar  gn'm  biodh  fuaim 
na  gaoithe.  Am  faca  tu  riamh,  a  leughadair, 
searmon  le  lonatan  Edwards  air  a'  chuspair 
so,  Peacaich  ann  an  Idmhan  Dhe  agus  corriUch 
air.  Mur  faca,  bheir  mise  dhiut  crioman 
dheth. 

"Sibhse  a  tha  neo-iompaichte,  bidh  neart 
neo-chriochnach  an  Uile-chumhachdaich,  agus 
corruich  uamhasach  an  Uile-chumhachdaich 
air  an  cleachdadh  oirbh  gus  bhur  pianadh 
agus  bhur  cradh  ;  bidh  sibh  air  bhur  riasladh 
agus  air  bhur  pianadh  an  lathair  nan  ain- 
glean  naomha,  agus  an  lathair  an  Uain ;  agus 
an  uair  a  chi  iad  sibh  a'  fulang  mar  so  fo 
chorruich  gharg  an  Tighearna  tuitidh  iad 
sios  aig  a  ebasan,  a'  moladh  a  mhorachd  agus 
a  chumhachd.  Sin  agad  corruich  shiorruidh 
an  Tighearna.  B'  uamhasach  an  rud  e  a' 
chorruich  so  a  dhusgadh  fad  aon  mhionaid, 
ach  bidh  i  air  a  diisgadh  'n  ur  n-aghaidh-se 
fad  linntean  na  siorruidheachd  ;  fad  linntean 
na  siorruidheachd  bidh  sibh  ann  an  truaighe 
eagallach  agus  ann  an  doruinn  nach  gabh 
innseadh,  gun  dochas  agaibh  ri  saorsa  no  ri 
faochadh  no  ri  fois  aon  mhionaid ;  an  uair 
a  chuireas  sibh  seachad  muillein  agus  deich 


muillein  bliadhna  a'  gleachd  ri  dioghaltas 
gun  iochd  an  Uile-chumhachdaich  bidh  fhios 
agaibh  nach  deachaidh  fhathast  seachad  de 
'n  t-siorruidheachd  ach  mar  gu'm  biodh  aon 
mhionaid.  Co  d'  an  aithne  cumhachd  cor- 
ruich Dhe  1  Nach  uamhasach  staid  na  f eadh- 
nach  air  an  tuit  i,  ach  is  e  sin  staid  na  feadh- 
nach  nach  'eil  air  am  breith  a  ris,  air  cho 
curamach,  moralta,  stuama,  diadhaidh,  's  'g 
am  faod  iad  a  bhith.  Tha  mor  an  anns  an 
eaglais  so  an  diugh,  ag  eisdeachd  ris  an  t- 
searmon  so,  a  bhios  air  am  pianadh  ann  an 
truaighe  shiorruidh;  agus  cuimhnichidh  iad 
an  searmon  so  ann  an  ifreann.  Bidh  cuid 
agaibh  ann  an  ifreann  an  uine  ghearr,  m'  an 
tig  a'  bhliadhna  gu  crich.  Agus  theagamh 
gu  'm  bi  cuid  agaibh  ann  an  ifreann  m'  an 
tig  maduinn  am  maireach,  ged  tha  sibh  'n 
ur  suidhe  ann  an  sin  an  drasd  slan  fallain, 
'g  ar  faireachadh  fhein  sabhailte  agus  aig  fois." 

Ciod  a  their  thu  fhein,  a  leughadair,  ri 
teagasg  de  'n  t-seorsa  sin?  Is  e  na  their 
mise,  gu'm  biodh  e  duilich  leam  a  chreidsinn 
gu'n  deanadh  an  Diabhol  fhein  an  rud  -a 
tha  lonatan  Edwards  a'  cur  as  leth  an  Tigh- 
earna agus  nan  ainglean  naomha.  Is  e  an 
fhirinn  nach  robh  ann  an  searmon  an  duine 
ud  ach  briathran,  briathran,  briathran ;  rud 
a  bha  e  a'  sniomh  a  mach  a  eanchainn  fhein 
— agus  bha  eanchainn  laidir  aig  an  duine  gun 
teagamh — mar  a  bhios  am  figheadair  a'  sni- 
omh snatha  as  a  ohorp.  Cha'n'eil  fhios  agam- 
sa  ciod  a  tha  air  taobh  thall  na  h-uaighe  na 
's  mo  na  tha  agad-sa,  a  leughadair,  ach  aon 
ni  tha  fhios  agam,  nach  bi  mi  air  mo 
mhealladh  ann  an  Dia,  agus  gu'm  bi  an 
dochas  a  thug  losa  dhomh  d'a  thaobh,  a 
thaobh  a  nihaitheis  agus  a  thr6cair  agus  a 
chaomhalachd,   air   a  choimMionadh. 

Coma  leam  luchd-teagaisg  a  bhios  a'  leigeil 
ruith  le  'm  briathran  an  uair  a  labhras  iad 
air  corruich  Dhe,  mar  gu  'm  biodh  iad  a' 
bruidhinn  air  maighstir-sgoil  no  policeman. 
Tha  Dia  ard  agus  uasal  agus  naomh,  agus 
eadhon  ged  a  bheireadh  am  bas  orm  agus 
toibheum  air  mo  bhilean  b'  fhearr  leam  tuit- 
eam  'n  a  lamhan  na  ann  an  lamhan  lonatan 
Edwards.  Mar  is  sinne  a  tha  mi  a'  fas  is  ann 
is  mo  a  tha  mi  a'  toirt  fanear,  gur  e  na  daoine 
as  laidire  a  shearmonaicheas  uamhasan  ifrinn 
d'  an  co-chreutairean  as  lugha  a  tha  fair- 
eachduinn  'n  an  cridheachan  cudthrom  na 
firinn  eagallach  a  tha  lad  a'  laimhseachadh. 
An  deidh  dhaibh  cairdean  agus  luchd-eolais 
agus  ooimhearsnaich  a  thilgeadh  ann  an  las- 
raichean  siorruidh  far  am  bi  iad  air  an  los- 
gadh  fad  linntean  na  bith-bhuantachd 
theid  iad  dhaohaidh  agus  gabhaidh  iad  an 
dinneir  mar  nach  robh  an  rud  uamhasach  so 
a'  dol  a  thachairt  idir,  agus  cha  chaill  iad 
aon  mhionaid  d'  an  cadal  anns  an  oidhche. 


Air.    7. 


1926. 


POL  AGUS  DEMAS. 


Bho  chionn  ghoirid  leugh  mi  leabhar  a 
bha  air  a  sgrlobhadh  mu  Phol  agus  mu  chuid 
d'a  chairdean  leis  an  Urramach  Seumas 
Ballingal,  D.D.,  agus  bho  na  tha  na  leugh 
mi  fathast  iir  'n  am  inntinn  bu  mhaith  learn 
aon  dealbh  de  na  tha  anns  an  leabhar  a 
thoirt  do  ar  luchd-leughaidh,  dealbh  Dhemais 
mar  a  tha  e  air  a  tharruing  le  Seumas 
Ballingal. 

An  uair  a  bha  Demas  comhla  ri  Pol  anns 
an  Roimh  bha  e  mu  cheithir  bliadhna  fichead 
a  dh'  aois;  duineachan  beag  cuimir  a  bha 
beo  dheth  fein,  agus  gu  maith  abhacach  agus 
bruidhneach.  Bha  e  'na  chleachdadh  aig 
P61  a  litrichean  a  sgriobhadh  le  laimh  duine- 
eigin  eile,  agus  gle  thric  an  uair  a  bha  e 
anns  a'  phriosan  anns  an  Roimh  b'e  Demas 
a  bu  chleireach  da.  Bha  lamh-sgriobhaidh 
air  leth  aige  agus  cha  mhor  nach  sgriobhadh 
e  a  cheart  cho  luath  's  a  bhruidhneadh  Pol. 
Cha  robh  rud  air  an  t-saoghal  a  b'  fhearr 
leis  na  bhi  a'  sgriobhadh  litrichean  Phoil 
oir  bha  meas  mor  aige  air  an  abstol. 

Ann  an  iomadh  doigh  eile  bha  Demas  feu- 
mail  do  Phol  an  uair  a  bha  e  anns  a'  phrio- 
san. Bhiodh  e  a,'  deanamh  thurusan  dha 
anns  a'  bhaile,  agus  ag  innseadh  dha  cuid- 
eachd  a  h-uile  rud  a  bha  tachairt  anns  an 
eaglais.  Bha  taobh  shonruichte  aig  P6l  ris 
an  duine  6g  so,  air  a  sgath  fhein  agus  air 
sgath  a  pharantan,  oir  b'  aithne  dha  iad 
anil  an  Tesalonica.  A  thuilleadh  air  sin  bha 
a  leithid  de  shunnd  air  Demas  daonnan,  agus 
e  cho  aoibheil  toilichte,  's  gu'm  biodh  e  a' 
toirt  togail-cridhe  do  Phol  a  bhi  cluinntinn 
a  choise  agus  a  ghutha  a'  dol  seachad  air  uin- 
neag  a'  phiiosain. 

Latha  a  bha  Demas  a'  sgriobhadh  litreach 
do  Phol,  thuirt  Pol  ris  an  uair  a  bha  iad 
ullamh  ;  "Tha  Epaphroditus  a'  tighinn  'gam 
fhaicinn  gu  goirid ;  duine  caomh,  agus  duine 
onorach,  agus  duine  diadhaidh ;  tha  an 
t-astar  air  a  bheil  e  a'  tighinn  fada  oir  tha 
e  a'  tighinn  aPhilippi,  agus  cha  robh  e  riamh 
anns  a'  bhaile  uamhasach  so,  ach  feuch  thusa 
gu'n  dean  thu  na's  urrainn  thu  air  a  shon 
agus  gu'm  faigh  thu  dha  aite  freagarrach 
anns  am  fuirich  e.  Thig  thugam  trath  am 
maireach,  oir  tha  moran  agam  r'a  dhean- 
amh ;  feumaidh  mi  sgriobhadh  gu  Timoteus 
oir  tha  e  an  Ephesus  aig  an  am.  Tha  fadal 
orm  gus  an  tig  Lucas  a  Corint ;  tha  mi  'g 
a  ionndrainn,  ach  theagamh  nach  'eil  e  fur- 
asda     dha     aiseag    fhaotainn.       An   uair    a 


gheibh  thu  cothrom,  b'  fhearr  leam  gu'm 
feoraicheadh  tu  c'uin  a  tha  fiughair  ri  bata 
a  Corint  f 

Sin  cuid  de  na  turusan  air  am  biodh  Pol 
a'  cur  Dhemais  agus  cha  bu  leasg  le  Demas 
a'  chorrag  a  chur  ann  an  obair  de'n  t-seorsa 
so  oir  bha  e  gu  nadurra  gaolach  air  a  bhi 
dol  am  measg  dhaoine  agus  a'  cruinneachadh 
naigheachdan. 

Bha  guth  maith  aig  Demas  agus  bha  e 
anabarrach  gaolach  air  seinn,  ach  b'  fhearr 
dha  nach  robh,  oir  b'  e  an  t-seinn  a  chuir 
eadar  e  fhein  agus  P51  air  a'  cheann  mu 
dheireadh.  Bhiodh  e  a'  taghall  air  teagh- 
lach  anns  an  Roimh  anns  an  robh  daoine 
oga  a  bha  cho  gaolach  ris  fhein  air  seinn, 
agus  cuid  dhiubh  maith  air  an  f  hid  hill.  Bha 
athair  an  teaghlaich  'n  a  mharsanta-fiona ; 
bha  da  mhac  aige  agus  da  nighean,  ach  cha 
robh  gin  dhiubh  'n  an  luchd-aideachaidh 
ach  a  mhain  mathair  an  teaghlaich,  bana- 
Ghreugach  aig  an  robh  meas  anabarrach  air 
Pol.  Bha  ise  daonnan  toilichte  an  uair  a 
thigeadh  Demas  do'n  tigh  a  chionn  gu'n 
tugadh  e  dhi  naigheachd  air  Pol,  agus  bha 
an  oigridh  toilichte  an  uair  a  thigeadh  e  a 
chionn  gu'm  biodh  oidhche  chridheil  aca  le 
seinn. 

Cha  robh  na  ceud  C'hriosduidhean  a'  cead- 
achadh  do  luchd-aideachaidh  doighean  an 
t-saoghail  a  leantuinn  idir ;  cha  robh  iad  a' 
ceadachadh  dhaibh  dol  gu  cuirm-chiuil,  no 
do  thigh-cluich,  no  gu  dannsa,  no  do  aite  air 
bith  anns  am  biodh  aighear  is  baoth- 
shugradh.  Bha  cuid  de  sheanairean  na  h- 
eaglais  a  bu  tinne  na  cheile  air  an  oigridh  a 
thaobh  seinn  is  dannsa,  ach  cha  robh  duine 
idir  a  bu  laidire  'n  an  aghaidh  na  Aristar- 
chus.  Bha  Aristarchus  cho  cruaidh  air 
daoine  oga  's  nach  saoileadh  tu  gu  robh  e 
fhein  og  riamh. 

Bha  seorsa  de  eagal  aig  Demas  roimh 
Aristarchus,  ach  air  a  shon  sin  cha  robh  e 
a'  creidsinn  'n  a  chridhe  gu  robh  cron  air 
bith  ann  an  cuid  de  na  nithean  a  bha  Aris- 
tarchus a'  toirmeasg.  Bu  ghasda  leis  a  bhi 
an  comunn  dhaoine  oga  a  bha  cho  gaolach  ris 
comunn  dhaoine  oga  a  bha  cho  gaolach  ris 
fhein  air  seinn  is  ceol.  Ged  a  bha  cuid  de 
na  daoine  oga  sin  nach  robh  a'  creidsinn 
ann  an  Criosd,  no  a'  gabhail  orra  a  bhi 
crabhach  no  diadhaidh,  theireadh  Demas  ri 
Aristarchus  gu  robh  iad  'n  an  daoine  cial- 
lach,  grinn,  moralta,  agus  nach  robh 
e  mar  fhiachaibh  airsan  an  comunn 
a  sheachnadh  a  chionn  nach  robh  iad  'n  an 


26 


luchd-leanmhuinn  air,  Griosd.  Thigeadh 
gruaim  is  fuachd  a'  gheamlii;aidli  air  aodann 
Aristarchuis  an  uair  a  chl.uinneadh  e  sin ; 
theireadli  e  nach  robh  ann  an  Demas  ach 
gaotharan  bochd  a  bha  fo  chuibhrichean  ann 
an    tigh  Rimmoin. 

An  ceann  greis  thoisich  e  ri  blii  air  a 
mhonmur  am  measg  nam  foirfeach  anns  an 
eaglais  gu  robh  Demas  ri  bhi  air  fhaicinn 
gu  trie  am  measg  dhaoine  goracb,  a'  dol  gu 
coinneamhan  aig  an  robh  cluicli  is  ce61  is 
dannsa,  agus  thainig  e  'n  an  inntinn,  an  dara 
cuid,  nach  robh  ann  ach  an  cealgair,  air  neo 
gu  robh  e  air  tuiteam  air  falbh.  Cha  robh 
so  idir  fior,  oir  bha  Demas  'n  a  dhuine  onor- 
ach  aig  an  robh  cridhe  g'lan,  agus  bha  e 
cho  eudmlror  air  taobh  an  Tigiiearna  ris  na 
foirfich  fhein,  ach  bha  e  furasda  a  lubadh 
a  null  agus  a  nail. 

Uair  a  bha  coisir-chiiiil  ainmeil  ri  bhi  anns 
an  tigh-chluich  cho-eignich  deannan  de 
dhaoine  oga  e  gu  dol  comhla  riu  a  dh' 
eisdeachd  a  ichiiiil.  An  toiseach  cha  robh 
Demas  air  son  dol  ann ;  bha  eagal  air  nach 
cordadh  a  dhol  ann  ris  na  seanairean,  ach 
an  uair  a  chothaich  each  air  nach  robh  cron 
air  bith  ann  agus  gu'n  robh  an  oeol  anabar- 
rach  taitneach  gheill  e  agus  ehaidh  e  leo. 
Thaitinn  an  ceol  riu  cho  maith  agus  gu'n  do 
thoisich  am  bannal  dhaoine  oga  ud,  air  an 
rathad  dhaehaidh,  air  na  h-6rain  a  chuala 
iad  anns  an  tigh-chluich  a  sheinn,  agus 
greim  aca  air  lamhan  air  a  cheile,  nigheanan 
agus  gillean.  Ach  an  uair  a  bha  hug-o  aca 
air  na  h-6rain,  air  meadhon  na  sraide,  c6 
a  ehaidh  seaehad  orra  ach  Aristarchus? 
Sheas  e  greis  a'  sealltuinn  as  an  deidh,  agus 
a  ehridhe  tursach,  oir  bha  e  cinnteach  gu 
robh  Demas  air  dol  air  an  t-slighe  leathainn 
a  tha  treorachadh  gu  sgrios. 

An  uair  a  ehaidh  Demas  dhaehaidh  an 
oidhche  ud,  agus  a  dh'  fhuaraieh  fhuil, 
bha  aithreaehas  air  gu'n  deaehaidh  e  do'n 
tigli-ehluich,  agus  bhoidieh  e  'n  a  ehridhe 
nach  rachadh  e  ann  tuilleadh.  Theireadh  e 
ris  fhein  an  drasd  's  a  rithist  nach  robh  cron 
air  bith  anns  na  rinn  e,  agus  gu'n  robh  a 
clioguis  glan ;  theireadh  e  gu  robh  Aristar- 
chus agus  na  seanairean  eile  'n  an  daoine 
cumhann,  a'  toirmeasg  nithean  a  bha 
lagh  Dhe  a'  ceadachadh.  Ach  air  a  shon  sin 
cha  robh  a  choguis  aig  fois,  agus  bha  bris- 
eadh  an  latha  air  tighinn  m'  an  d'  fhuair  e 
cadal. 

Bha  e  air  a  dhusgadh  le  buille  aig  an 
dorus  agus  Aristarchus  air  tighinn  'g  a 
fhaicinn,  a  radh  ris  gu  robh  e  a'  dol  a  dh' 
innseadh  do  Phol  mu  obair  narach  na  h- 
oidhche  an  raoir.  "Bha  thu,"  ars'  esan, 
"ann  an  comunn  dhaoine  a  tha  'n  an  naimh- 
dean  do  Dhia  agus  a'  leantuinn  fasain  phea- 


cach  agus  doighean  amaideach  an  t-saoghail ; 
mur  faieinn  thu  le  mo  dha  shuil  fein,  cha 
ehreidinn  gu'm  biodh  tu  cho  neo-dhileas  do'n 
Tighearna  losa  agus  d'a  eaglais." 

Na'n  do  labhair  Aristarchus  .ris  rud  beag 
na  bu  chiuine  agus  na  bu  chaomhaile  thea- 
gamh  gu'n  rachadh  aige  air  a  bhrathair  6g 
a  chosnadh,  oir  cha  robh  dad  ann  an  Demas 
a  bu  mhiosa  na  goraiche  agus  aotramas  'n  a 
h-6ige,  ach  an  uair  a  thoisich  Aristarchus  air 
trod  ehaidh  Demas  anns  a'  mhionaid  air 
'each  mor  fhein  agus  thuirt  e  gu'm  bu 
clionia  leis-san  breith  dhaoine  cumhann,  agus 
gu'n  deanadh  e  mar  a  ehitheadh  e  fhein 
iomehuidh. 

Ach  an  deidh  do  Aristarchus  falbh  shil 
Demas  na  deoir ;  cha  robh  a  ehridhe  no  a 
choguis  aig  fois ;  b'e  am  bior  a  bu  ghoirte 
annta  gu'n  cuireadh  goileab  Aristarchuis 
uime  mulad  air  Pol;  gu'm  biodh  an  t-uallach 
so  air  a  ehur  air  cridhe  an  duine  naoimh 
agus   uallaichean   gu   leoir   air   eheana. 

An  ceann  beagan  iiine  chuir  Pol  fios  air, 
agus  gun  ach  sealltuinn  air  aodann  Phoil, 
dh'  aithnich  Demas  gur  e  taobh  Aristarchuis 
a  bha  Pol  a'  gabhail.  "  Tha  mi  duilieh  a 
ehluinntinn,"  ars'  esan,  "  gu  bheil  thu  air 
tuiteam  am  measg  dhroch  ehompanach,  agiis 
gu  bheil  thu  a'  dol  do'n  tigh-chluich.  Cha 
tachradh  sin  mur  b'e  gu  bheil  gaol  an 
t-saoghail  air  do  chur  air  seaehran  air  Dia. 
Thug  thu  naire  fhoUaiseach  air  do  bhraith- 
rean  agus  air  eaglais  Chriosd." 

An  uair  a  chuala  Demas  sin  bha  e  mar 
dhuine  a  fhuair  binn  a  bhais.  Ach  ged  nach 
robh  e  'n  a  bheachd  an  toiseach  e  fhein 
fblreanachadh  bha  an  fhaireaehduinn  'n  a 
ehridhe  nach  d'  fhuair  e  ceartas,  no  idir 
idir  caoimhneas,  agus  gu'n  robh  e  air  a 
dhiteadh  gun  ehothrom  a  thaobh  fhein  de'n 
ghnothueh  innseadh  no  a  lethsgeul  a  ghabhail. 

Chuir  so  an  fhearg  air,  agus  thionndaidh 
e  air  Pol  agus  e  air  ehrith,  "Tha  mi  duilieh," 
ars'  esan,  "gu'n  d'  eisd  sibhse  ri  naigheach- 
dan  breugaeh  dhaoine  eile.  Tha  mo  ehoguis-sa 
glan,  oir  tha  fhios  agam  nach  do  rinn  mi  dad 
a  bheireadh  naire  orm  fhein  no  air  an  eag- 
lais. Tha  mi  ag  aideaehadh  gu'n  deaehaidh 
mi  do'n  tigh-chluich,  ach  cha  robh  mi  ann 
ach  aon  uair,  agus  an  uair  sin  fhein  bha  mi 
ann  comhla  ri  daoine  ceart  stuama,  cair- 
dean  air  a  bheil  meas  mor  agam  agus  ris  naen 
dealaich  mi  air  son  Aristarchuis  no  air  son 
duine  eile  a  ehunnaie  mi  riamh." 

"  Cha'n  aithne  dhomhsa  do  chairdean," 
fhreagair  Pol,  "agus  cha  'n  'eil  mi  dol  a 
radh  dad  timehioll  orra,  ach  is  aithne  dhomh 
Aristarchus,  mo  bhrathair  dileas  anns  a  bheil 
Ian  earbsa  agam.  Is  aithne  dhomh  fhaighi- 
dinn  agus  a  ghradh,  agus  tha  fhios  agam 
nach  tugadh  e  breith  neo-chothromaeh  air  do 


27 


dhol-a-mach.  0,  a  Dhemaig,  gabh  thusa  mo 
chomhairle  agus  bi  giic,  leig  seachad  gor- 
aiche  agus  gaol  an  t-saoghail,  agus  aidioh  do 
chionta  an  lathaiv  Dhe,  agus  bithidh  tu 
fhathast  an  ni  a  b'abhaist  duit  a  bhi 
dhomhsa,  mo  mhac  gradhach  anns  an 
Tighearna . ' ' 

Is  beag  nach  robh  danari^achd  Dhemais  air 
a  bhriseadh  sios  leis  an  fhaoal  niu  dheireadh 
so,  mo  mhac  gradhach,  ach  bha  a  chridhe  air 
a  bhioradh  leis  an  smuain  nach  d'  fhuair  e 
ceartas  agus  gu'n  do  ghabh  Pol  taobh  Aris- 
tarchuis,  agus  is  e  a  thubhairt  e,  "  Tha  fhios 
agaibh  gu  maith  an  gaol  a  tha  agam  oirbh, 
agus  tha  e  'gam  ghortachadh  sibh  a  bhi 
saoilsinn  gu'n  do  rinn  mi  cron.  Tha  mi  a' 
faicinn  nach  'eil  feum  air  bith  ann  dhomh 
mo  thaobh  fhein  de'n  ghnothuch  innseadh, 
oir  cha  'n  eisd  sibh  rium  ged  a  dh'  eisd  sibh 
ri  Aristarchus.  Ach  ma  tha  sibhse  agus 
Arijstarchus  -an  diiil  nach  h-airidh  mi  air 
fantuinn  ann  an  comunn  nan  Criosduidhean 
cha  chuir  mise  dragh  na's  fhaide  oirbh." 

Leis  an  fhacal  sin  chaidh  Demas  a  mach. 
Cha  do  ghairm  Pol  air  ais  e,  ged  a  bha  a 
chridhe  a  cheart  cho  goirt  ri  cridhe  Dhemais. 

Is  e  so  an  naigheachd,  ma'.s  fior  an 
t-Urramach  Seumas  Ballingal,  D.D.,  a  tha 
air  ohul  an  fhacail  sin  ai  sgriobh  Pol  gu 
Timoteus,  Threig  Demas  mi  air  dha  an 
saoghal  so  a  ghradhachadh. 


AIR  SABAID  COMANACHAIDH. 

Thugaibh   comhfhurtachd,   tkygaibh  comk- 
fhurtachd    do   mo   shhiagh-sa,   deir   'ur  Dia. 

— Isaiah  xl.  i. 

Chuiala  mi  iomradh  air  ministear  6g  a 
thug  seachad  searmon  mor  air  Sabaid  coman- 
achaidh,  a'  dearbhadh  le  argumaidean  laidir 
gu  robh  Dia  ann.  Ach  ged  tha  feum  air 
argumaidean  laidir  air  uairean  ann  an  seir- 
bhis  an  t-soisgeil,  tha  am  freagarrach  ann  air 
son  gach  ni,  agus  cha'n  e  Sabaid  comatiaoh- 
aidh  an  t-am  gus  deasbud  ard  no  ealanta  a 
dheanamh  mu  Dhia  no  mu  dhiomhaireachd 
na  diadhaidheachd.  Cha  deanadh  an  deasbud 
sin  ach  ar  n-aire  a  tharruing  air  falbh  bho 
na  samhlaidhean  naomh  agus  heannaichte  a 
thai  far  comhair  an  diugh  air  a'  bhord  so, 
samhlaidhean  a  tha  a'  labhairt  ri  ar  cridh 
eachan  nag  soluimte  na  b'  urrainn  argu- 
maid  air  bith  a  dheanamh.  Aig  bord  an 
Tighearna  cha'n'eil  ach  aon  iarrtus  agus  aon 
urnuigh  a  bu  choir  a  bhi  'n  ar  cridheachan, 
gu'n  tugadh.  Dia  dhuinn  faireachduinn 
sholasach  air  a  lathaireachd,  agus  air  a 
mhaitheas,  agus  air  a  throcair.  Cha  'n  ann 
a  dh'  eisdeachd  ciod  a  their  an  searmonaiche 
a  tha  daoine  a'  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  a' 
bhuird  so  ach  a  dh'  eisdeachd  ciod  a  labhras 


Dia  riu.  Gu'm  biodh  an  Tighearna  maille 
ruinn  anns  an  t-seirbhis  naomh  so  an  diugh, 
agus  gu'n  labhradh  e  sith  r'a  shluagh. 

An  uair  a  bha  an  diadhair  agus  an  sear- 
monaiche ainmeil,  an  t-Ollamh  Iain  Watson 
nach  maireann,  a'  leigeil  dheth  dreuchd  na 
ministrealachd,  thubhairt  e  gu  robh  da 
mhearachd  'n  a  obair  fhein  a  dh'  fheuchadh 
e  ri  cheartachadh,  na'n  robh  e  a'  t6iseachadh 
as  iir ;  (1)  dheanadh  e  a  shearmoin  na  bu 
ghiorra,  agus  (2)  bheireadh  e  barrachd 
comhfhurtachd  d'a  choimhthional  na  thug  e 
riamh  dhaibh.  Sin  comhairlean  a  tha  feu- 
mail  do  shearmonaichean  eile  cuideachd,  ach 
is  e  an  te  mu  dheireadh  dhiubh  as  fhearr,  oir 
anns  gach  coimhthional  a  bhios  cruinn  faodar 
a  bhi  cinnteach  gu  bheil  duine  air  choi'-eigin, 
agus  gu  bitheanta  iomadh  duine,  a  tha 
giiilan  uallach  trom  agus  diomhair,  daoine  a 
dh'  fhagadh  tigh  an  Tighearna  gun  aotram- 
achadh  air  bith  fhaotainn,  no  leighis  do 
leon  an  cridhe,  mur  biodh  facal  caoimhneil 
no  facal  comhfhurtachd   air   a  labhairt    riu. 

Ach  ged  tha  e  mar  fhiachaibh  ais  searmon- 
aichean  an  t-soisgeil  comhfhurtachd  a  thoirt 
do  shluagh  an  Tighearna  cho  nihaith  ri 
rabhaidhean,  bhiodh  e  na  b'  fhearr  air  fad 
na'n  rachadh  daoine  gu  facal  an  Tighearna 
air  an  son  fhein  a  dh'  fhaotainn  comhfhur- 
tachd an  am  am  feuma,  oir  mar  is  trice  is 
ann  tre  Fhacal  a  tha  Dia  a'  labhairt  sithe  ri 
cridheachan  a  tha  fo  thrioblaid.  A  bheil 
leabhar  eile  air  an  t-saoghal  anns  a  bheil 
uiread  comhfhurtachd  's  a  gheibhear  anns  a' 
Bhiobull '?  Tha  e  Ian  de'n  chomhfhurtachd 
as  fhearr  agus  de'n  chomhfhurtachd  as 
buaine;  an  leabhar  as  priseile  fo'n  ghrein  do 
luchd  a'  chridhe  ghoirt  cho  mhaith  ri  luchd 
a'  chridhe  cheirt. 

Bha  losa  air  a  thogail  air  na  sgriobturan ; 
bha  e  air  oileanachadh  annta  bho  laithean 
oige  air  ahor  agus  gu'm  b'aithne  dha  gu 
maith  am  facal  so  ann  an  leabhar  Isaiah, 
Thugaibh  comhfhurtachd,  thugaibh  comh- 
fhurtachd, do  mo  shluagh-sa.  An  t-seach- 
duinn  mu  dheireadh  d'a  bheatha  air  thalamh 
b'e  na  sgriobturan  a  bu  bhiadh  agus  a  bu 
dheoch  dha,  agus  am  measg  nam  briathran 
eile  a  thainig  thuige  thainig  iad  so  thuige  le 
cumhachd  an  Spioraid  Naoimh,  oir  leig  e 
seachad  gach  seanchas  eile  a  b'  abhaist  a  bhi 
aige  r'a  dheisciobuil  agus  thoisich  e  air 
comhfhurtachd  a  thoirt  daibh  mar  gu'm  biodh 
mathair  a'  toirt  comhfhurtachd  d'a  cloinn. 
— Na  biodh  bhur  cridhe  fo  thrioblaid  :  ann 
an  tigh  m'  Athar-sa  tha  iomadh  dite-comh- 
nuidh;  tha  mi  del  a  dh'  ullachadh  aite 
dhuihh.  Guidhidh  mise  an  t-Athair  agus 
bheir  e  dhuibh  comhfhurtair  eile,  chum  gu'm 
fan  e  maille  rihh  gu  brath.  Tha  mi  fdgail 
sithe  agaihh;  mo  shith-sa  a  ta  mi  toirt  duibh; 


28 


cha'n  ann  mar  a  hheir  an  saoghal  a  tha  mise 
o/'  toirt  duibh.  Na  biodh  bhur  cridhe  fo 
thrioblaid,  agus  no  biodh  eayal  air.  Mar 
a  ghrddhaich  an  t-Athair  mise,  mar  sin 
ghradhaicli  mise,  sibhse  :  fanaibh  ann  am 
ghradh-sa.  Anns      an      t-saoghal      biihidh 

dmhghar  agaibh,  ach  biodh  deagh  mhisneach 
agaibh;  thug    mise   buaidh  air  an  t-saoghal. 

Tha  na  briathran  so  a  labhair  Criosd  r'a 
dheisciobuiil  Ian  conihfhurtachd  gun  teagamh, 
ach  am  buin  a'  chomhfhurtachd  so  dhuinne? 
Ceasnaicheadh  gach  neach  a  chridhe  fein, 
mar  tha  an  t-abst,ol  ag  iarraidh  oirnn,  oir 
cha  bhuin  conihfhurtachd  nam  briathran  so 
ach  a  mhain  dhaibhsan  a  tha  ag  aideachadh 
Chriosd  mar  a  bha  na  ceud  dheisciobuil  'g  a 
aideachadh.  Tha    Facal    an    Tighearn    ag 

radh,  'Abraibh  ris  an  ionracan  gur  maith  a 
dh'  eireas  dha',  ach  tha  Facal  an  Tighearna 
ag  radh  cuideachd,  '  Is  an-aoibhinn  do'n 
aingidh;  is  olc  a  dh'eireas  dhasan.  "  Na 
tugaibh ;  tabhartas  dlomhain  dhonihsa  na's 
mo,"  tha  an  Tighearna  ag  radh,  "  nighibh, 
glanaibh,  cuiribh  air  falbh  olc  'ur  deanadais 
as  mo  shealladh ;  sguiribh  de'n  olc ;  iarraibh 
breitheanas  ;  deanaibh  fuasgladh  air  an  fhear 
a  tha  saruichte;  cumaibh  coir  ris  an  dilleach- 
dan ;  tagraibh  cuis  na  bantraich."  An  diugh 
agus  sinn  'n  ar  suidhe  aig  a'  bhord  naomh 
so  tha  ar  coguis  'g  ar  diteadh,  agus  tha  lagh 
an  Tighearna  'g  ar  diteadh,  air  chor  agus 
na'ni  b'  ann  ris  an  lagh  a  mhain  a  bha  ar 
gnothuch  gu'm  faodamaid  a  radh  nach  'eil 
dochas  no  comhfhurtachd  air  bith  aims  an 
lagh  dhuinn.  Ach  tha  ar  gnothuch  ri  Criosd 
agus  r'a  shoisgeul ;  thainig  Criosd  do'n  t- 
saoghal,  cha  'n  ann  a  ghairm  nam  firean  a 
tha  cheana  air  am  fireanachadh  leis  an  lagh, 
ach  a  thearnadh  pheacach  a  tha  air  an 
diteadh  leis  gach  lide  de'n  lagh.  "Thigibh  a 
nis,  agus  tagramaid  ri  cheile,"  deir  an  Tigh- 
earna, "  ged  robh  'ur  peacaidhean  mar  an 
sgarlaid ;  bithidh  iad  geal  mar  an  sneachd  ; 
ged  robh  iad  dearg  mar  chorcur,  bithidh  iad 
mar  olainn."  "  Sla  dh'  aidicheas  sinne  ar 
peacaidhean,  tha  esan  fireannach  agus  ceart, 
chum  ar  peacaidhean  a  mhaitheadh  dhuinn, 
agus  ar  glanadh  o  gach  uile  neo-fhirean- 
tachd."  "  Glanaidh  fuil  losa  Criosd  a  Mhic 
sinn  o  gach  uile  pheacadh."  Sin  a'  chomh- 
fhurtachd a  tha  na  samhlaidhean  naomh  so  a' 
labhairt  an  diugh  ribh-se,  a  luchd-comach- 
aidh ;  tha  iad  a'  cur  an  ceill  na's  soluimte 
na's  urrainn  briathran  duine  no  aingil  a 
dheanamh  gu'n  do  bhriseadh  corp  losa  agus 
gu'n   do    dhortadh   fhuil    air    bhur   son-se. 

Cha  'n  urrainn  searmonaiche  air  bith 
gradh  agus  trocair  an  Tighearna  a  dheanamh 
na's  farsuinge  na  tha  iad  ann  an  da-rireadh, 
agus    na'n    gabhadh  e    air   fhein  trocair   an 


Tighearna  a  dheanamh  cho  beag  cumhann  ri 
chridhe  beag  fhein,  chronaicheadh  agus 
bhreugnaicheadh  na  samhlaidhean  naomha  so 
a  theagasg,  oir  tha  iad  a'  cur  an  ceill  nach 
ann  a  mhain  air  son  dhaoine  maithe  no  air 
son  ionracan  a  dh'  fhuiling  an  Slanuighear 
ach  air  son  pheacach.  Ma  tha  duine  air  an 
t-saog'hal  an  diugh  oho  comharraichte  air  son 
aingidheachd  am  measg  dhaoine  eile  's  gu'm 
faodteadh  a  radh  uime  gur  e  duine  as  miosa 
aims  an  t-saoghal  uile  gu  leir, — bhasaich 
Criosd  air  son  an  duine  sin  oho  cinnteach  "s 
a  bhasaich  e  air  son  Eoin.  Sin  comhfhur- 
tachd an  t-soisgeil,  agus  sin  an  soisgeul  a 
tha  an  t-sacramaid  naomh  so  a'  searmonach- 
adli  dhuinne  an  diugh,  nach  ann  idir  leis  na 
h-oibribh  ilreantachd  a  rinn  sinn  a  tha  8.inn 
air  ar  saoradh,  ach  leis  an  obair  a  rinn 
Criosd  air  ar  son. 

Thugaibh  comhfhurtachd,  thugaibh  comh- 
fhurtachd, do  mo  shluagh-sa,  deir  'ur  Dia. 
Bu  mhaith  leam-sa  comhfhurtachd  a  thoirt 
do  shluagh  an  Tighearna  an  diugh,  oir  ma 
tha  feadhainn  an  so  aig  nach  'eil  feum  oirre, 
tha  fhios  agam  gu  bheil  feadhainn  eile  ann 
a  tha  lag  'n  am  misneach  agus  'nan  creid- 
eamh,  a'  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  a'  bhiiird 
fo  eagal  gu'm  faod  iad  a  bhi  ag  itheadh  agus 
ag  61  breitheanais  daibh  fein.  Ach  cha'n  e 
rud  a.'r  bith  bhuam  fhein  a  bu  mhaith  leani 
a  thairgsinn  daibh,  ach  Facal  seasmhach  an 
Tighearna.  Agus  ciod  a'  chomhfhurtachd 
as  laid  ire  na  am  facal  so  mu  nadur  agus  niu 
dhoighean  an  Tighearna  ris  a  bheil  gnothuch 
againn,  "  Co  an  Dia  ann  a  ta  cosmhuil 
riutsa,  a  mhaitheas  aingidheachd  agus  a 
ghabhas  seachad  air  easaontas  do  shluaigh, 
oir  ar  Dia-ne  cha  ghleidh  e  a.  chorruiich  gu 
siorruidh  do  bhrigh  gur  toigh  leis  trocair. 
Pillidh  e  a  ris;  gabhaidh  e  truas  dinn ;  comh- 
daichidh  e  ar  n-easaontais,  seadh  tilgidh 
e  ar  n-uile  loohdan  ann  an  doimhneachdaibh 
na  fairge."  Sin  an  Dia  ris  a  bheil  gnothuch 
againn,  ach  mur  leor  leibh  an  teisteanas  so 
a  thug  a  sheirbhiseach  Micah  air,  cluinnibh 
ciod  a  tha  Pol  ag  radh,  "  An  ti  nach  do 
chaomhain  a  Mhac  fein,  ach  a  thug  thairis 
e  air  ar  son-ne  uile,  cionnus  niaille  ris-san 
nach  toir  e  mar  an  ceudna  dhuinn  gu  saor 
na  h-uile  nithe?"  Ach  ged  is  maith  Pol  agus 
ged  is  maith  Micah  tha  guth  eile  a'  labhairt 
ruinn  an  diugh  as  buadhmhoire  agus  is 
soluimte  na'n  guth-san,  guth  an  Tighearna 
losa  e  fein,  ag  radh  ruinn,  "  Thigibh  a'm' 
ionnsuidh-sa  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair 
agus  fo  uallach  trom  is  bheir  mise  suaimh- 
neas  duibh  :  an  ti  a  thig  a'm'  ionnsuidh  cha 
tilg  mi  air  chor  air  bith  a  mach  e."  Sin  ar 
comhfhurtachd  laidir-ne  an  diugh,  isi  fath  ar 
dochais. 


Air.    8. 


A'  CHARRAIG. 

B'i  a'  charraig  sin  Griosd. — i.  Corint.  x.  iv. 

A  reir  beul-aithris  nan  ludhach  lean 
sgealb  de'n  chreig  a  bhuail  Maois  clann  Is- 
raeli air  an  turns,  air  chor  agus  nach  robli 
cion  uisge  orra  anns  an  fhasach.  Cha'n'eil 
sinn  an  diiil  gu'n  robh  Pol  a'  creidsinn  na 
seann  sgeulachd  sin,  ach  rinn  e  feum  dhith 
anns  an  litir  so  a  cliionn  gu'm  faca  e  innte 
sanahladh  air  flrinn  spioradail  a  bu  mhaith 
leis  a  chur  an  cuimhne  eaglais  Chorint ;  is 
e  sin  r'a  radh,  gu  bheil  gradh  is  curam  Dhe 
a'  leantuinn  a  shlnaigh  gun  sgur,  agus  gu 
bheil  feartan  solasach  an  t-Slanuigheir  a' 
dol  an  cois  chreidmheach  anns  gach  ceum  d' 
an  turns  air  thalamh. 

Anns  a'  chunntas  a  tha  leabhar  Ecsoduis 
a'  toirt  air  imeachd  chloinn  Israeil  anns  an 
fhasach  tha  moran  nithean  a'  taohairt  oirnn 
a  tha  gle  iongantach.  Tha  sinn  air  ar  toirt 
air  ar  n-ais  gu  6g-mhaduinn  an  t-saoghail, 
'nuair  a  leughas  sinn  mu'n  neul  agus  mu'n 
teine  a  chaidh  romhpa  g'  an  treorachadli ; 
mu  na  frasan  mana  a  thuit  o  neanih,  agus 
nithean  eile  de'n  t-seorsa  sin ;  ach  is  e  an 
snuaim  shonruichte  a  tha  ruith  troimh  an 
eachdraidh  uile  mar  ghath  greine,  gu  bheil 
cumhaohd  is  gliocas  Dhe  ag  oibreachadh  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail,  agus  gu  bheil  e 
a'  treorachadh  dhaoine  ann  an  doighean 
nach  aithne  dhaibh  a  chum  a  ruintean 
diomhair  fein  a  choimhlionadh. 

Thachair  na  nithean  so  dhaibhsan  mar 
eisempleirean,  tha  Pol  ag  radh,  agus  sgriobh- 
adh  iad  chum  sinne  air  a  bheil  deireadh  an 
domhain  air  teachd  a  theagasg,  agus  ged  a 
thainig  atharrachadh  mor  air  an  t-saoghal 
o  laithea?!  Mhaois,  tha  miorbhuilean  Dhe 
mu'n  cuairt  air  a  shluagh  an  diugh  fhathast 
cho  cinnteach  ',s  a  bhi  iad  mu'n  cuairt  orra, 
'nuair  a  dh'  ith  iad  aran  o  neamh  anns  an 
fhasach.  Ged  nach  'eil  Dia  a'  labhairt 
ruinne  an  diugh  anns  a',  cheart  doigh  anns 
an  do  labhair  e  ris  na  h-aithrichean  o  shean, 
agus  ged  nach  'eil  a  fhreasdal  ag  oibreach- 
adh 'n  ar  beatha  air  an  aon  mhodh  anns  an 
d'  oibrich  e  ann  am  beatha  Israeil,  is  e  an 
t-aon  Dia  a  labhair  riusan  agus  ruinne.  An 
\\&\Y  a  bha  an  saoohial  ann  an  staid  leana- 
baidh  a  thaf)bh  eolas  Dhe  is  tuigse  spiora- 
dail labhair  Dia  r'a  shluagh  mar  ri  leanaban. 
Labhair  e  riu  le  comharran  follaiseach,  le 
iongantasan  a  ghlacadh  an  t-siiil  agus  an  inn- 
tinn,      Ach  air  do'n  t-saoghal   a  staid  leana 


1926. 


baidh  fhagail  'na  dheidh,  stad  na  comharran 
agus  na  miorbhuilean  follaiseach  sin,  agus 
thoisich  Dia  air  labhairt  r'a  shluagh  air 
mhodh  eile.  Ach  ged  nach  'eil  Dia  a'  noch- 
dadh  a  lathaireachd  no  a  chumhachd  anns  na 
linntean  so  air  an  aon  doigh  anns  am  faca 
clann  Israeil  iad,  tha  miorbhuilean  a  ghliocais 
agus  a  ghrais  cho  dliith  dhuinne  's  a  bha  iad 
dhaibhsan,  na'n  robh  againn  an  t-siiil  a 
chitheadh  agus  an  cridhe  a  thuigeadh  iad. 
Is  iomadh  samhladh  is  cosmhalaohd  a 
chleachd  Pol  a  chum  maise  is  gloir  an  Tigh- 
earn  losa  a  dheanadh  soilleir  do'n  t-saoghal. 
Bha  ainm  an  t-Slanuigheir  os  cionn  gach 
ainm  dha ;  chleachd  e  uile  bhuadhan  'inn- 
tinn  a  chum  an  t-ainm  naomh  ardachadh, 
agus  air  dha  na  Rabbaidhean  a  chluinntinn 
a'  labhairt  'n  an  doigh  thioram  neo-spiora- 
dail  fein  mu'n  charraig  a  lean  clann  Israeil 
anns  an  fhasach,  rinn  e  greim  air  an  t-samh- 
ladh,  chuir  e  brigh  is  maise  ur  anns  an  t- 
seann  sgeulachd,  agus  thuirt  e  ri  eaglais 
Chorint,  B'e  Criosd  a'  charraig  sm.  Ao-us 
am  measg  nan  nithean  ris  a  bheil  Criosd  air 
a  choslacbadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  gus 
a  chumhachd  agus  'obair  a  nochdadh  do 
dhaoine,  cha'n'eil  samhladh  as  freagarraiche 
no  am  facal  so,  a'  charraig.  Anns  an  t-seann 
Tiomnadh  tha  Dia  gu  bitheanta  air  a  choim- 
eas  ri  carraig.  Ann  an  aon  chaibideil  an 
leabhar  Dheuteronomi  tha  an  coimeas  so  air 
a  chleachdadh  sia  uairean ;  (xxxii,  4,  15,  18, 
30,  31,  37).  Anns  na  sailm  tachrar  gu  trie 
air  a  choimeas  cheudna;  is  e  an  Tighearna 
mo  charraig  (Salm  xviii,  2),  treoraich  mi  a 
chum  na  carraige  as  airde  na  mi  fein  (Salm 
Ixi.  2);  carraig  mo  neirt,  mo  thearmunn  is 
e  Dia,  (Salm  Ixii.  7)  ;  is  tu  carraig  mo 
shlainte,  (Salm  Ixxxix.  26).  Ach  is  e  Pol  a 
mhain  a  thug  an  ooimeas  so  do  Chriosd,  ged 
a  bha  Isaiah  ann  an  aon  seadh  air  thoiseach 
air,  oir  labhair  esan  mu'n  Mhesiah 
fada  roimh  am  a  theachd  mar  dhuine 
"a  bhios  mar  ionad^fasgaidh  'o'n  ghaoith, 
agus  mar  dhidean  o'n  doinionn ;  mar 
shriitha?!  uisge  ann  an  aite  tioram, 
mar  sgaile  creige  moire  ann  an  tir 
airsnealaich."  Tha  an  samhladh  cho  briogh- 
mhor  's  nach  'eil  e  iongantach  gu'n  do  rinn 
fear  de  bhaird  na  h-eaglais  greim  air,  ann 
an  laoidh  a  fhuair  oisean  blath  ann  an  cridhe 
chreidmheach  air  feadh  an  t-saoghail  uile, 

Ghreag  nan  Linntean  !  stigh  fo  d'  sgdil 
Bitheams'  air  tno  dMon  gu  hrdth. 


30 


Thubhairt  Criosd  fein  aon  uair,  "Gach 
iieach  a  ni  nio  briathran-sa  samhlaicliidh  mi 
e  ri  duine  giic  a  thog  a  thigh  air  cairaig," 
agus  uair  eile  thubhairt  e  gu'n  robh  creid- 
eamh  Pheadair  mar  charraig  agus  gur  ann 
air  an  seorsa  creige  sin  a  thogadh  e  'eaglais. 
Is  e  sin  r'a  radh,  tha  iadsan  a  tha  creidsinn 
gur  e  losa  mac  Dhe  agus  a  ni  a  thoil  a' 
socruchadh  am  beatha  spioradail  air  bunait 
sheasmhaich.  Tha  iad  a'  togail  air  carraig 
nach  brisear. 

Dh'   fhaodamaid  an  samhladh  a  leantuinn 
a   mach    na's    fhaide    agus   labhairt    air    an 
dion,  agus  am  fasgadh,  agus  an  tedruinteachd 
a  tha  a  shiuagh  a'   faotainn  ann  an  Criosd; 
ach  is   leoir   dhuinn   aig  an    am  so  greim   a 
dheanadh  air  an  aon  smuain,  gu  bheil  Criosd 
a'   dol  maille  r'a  shiuagh  air   an   turus  dlr- 
each  mar   a  lean  a'   chreag   clann  Israeli,   a 
reir   beul-aithris   nan    seanairean.      Gheall   e 
d'a     dheisciobuil    gu'm    biodh    e  maille    riu 
eadhon   gu    deireadh    an   t-saoghail.      Cha'n 
eil  e  'g  am  fagail  gun  taic  gun  chuideachadh 
ri  aghaidh  nan  cunnartan  agus  nan  naimh- 
dean  a  thachras  riu,  ach  tha  aingeal  a  lath- 
aireachd   air   an   deas  laimh  a   ghnath.      Ma 
tha    neoil    dhorcha    'ga  fholuch   uainn,    agus 
mur  bheil  faireachduinn  againn    air  co-cho- 
munn  a  ghraidh,   is  ann  againn  fein  a  tha  a 
choire  agus  cha   'n   ann  aige-san.        Cha    'n 
urrainn  e    comhnuidh  a   dheanamh  annainn 
ma  tha  sinn  a'  toirt  aoidheachd  'n  ar  cridhe 
do  nithean    a   tha   calg-dhireach   an   aghaidh 
'inntinn-san.        Ciod  an   reite  as  urrainn    a 
bhi  eadar  Criosd  agus  Belial,  no  ciod  e  caid- 
reabh   na   flreantachd     ri     neo-fhireantachd  1 
Ach   ma  tha  a    shiuagh    a'   coimhead  fhacail 
agus  a'   deanamh   a  thoile,   ni  e  comhnuidh 
maille  riu  agus  cha  'n  fhag  e  iad  gu  brath. 
Bheir  e  aithne  d'a  ainglean  m'   an  timchioU 
chum    an    gleidheadh     'nan     slighean    uile. 
Bidh   aran   aca   r'a   itheadh   is  deoch  r'a    61 
nach  aithne  do'n  t-saoghal.      Tha  abhainn  de 
uisge  beo  a'  sruthadh  o  charraig  nan  al,  agus 
gheibh  iadsan  a  dh'  olas  de'n  uisge  sin  neart 
is  beatha. 

'S  Tusa  'n  tobar  beo  gu  flor 
'Chaisgeas  m'  lotadh  mor  gu  saor 
'Chuireas  solas  ann  am  chridh' 
'S  fad  na  siorruidheachd  nach  traoigh. 

Ciod  air  bith  na  duileadasan  no  na  deuch- 
ainnean  a  thachras  air  luchd-leanmhuinn 
Chriosd,  biodh  iad  fo  dheagh  mhisnich,  oir 
tha  esan  maille  riu  agus  is  leoir  a  ghras- 
san  air  an  son.  Ma  tha  iad  ann  an  teagamh, 
no  ma  tha  an  solus  a'  fas  fann,  gairmeadh 
iad  airsan  agus  iarradh  iad  air  an  seoladh, 
oir  "  treoraichidh  e  na  daoine  ciuin  ann  am 


breitheanas. "  Ma  tha  an  neart  a'  f ailneach- 
adh  no  an  cridhe  fo  eagal  feitheadh  iad  na's 
bitheanta  agLis  na's  durachdaiche  aig  cathair 
nan  gi-as  oir  "  iadsan  a  dh'  fheitheas  air  an 
Tighearna  ath-nuadhaichidh  iad  an  neart." 
Na  abair  a'd  chridhe,  "  Co  a  theid  suas  air 
n^amh  a  thoirt  Chriosd  a  nuas,  oir  tha  am 
Facal  maille  riut."  Tha  Criosd  cho  dliith 
da  shiuagh  an  diugh  's  a  bha  e  do  na  deis- 
ciobuil  an  uair  a  ghluais  iad  maille  ris  ann 
an  Galile,  oir  gheall  e  nach  fagadh  e  iad  'nan 
dilleachdain  ach  gu'n  tigeadh  e  d'  an  ionn- 
suidh.  "  Ma  ghradhaicheas  neach  mise. 
gradhaichidh  m'  athair  esan  agus  thig  sinn 
d'a  ionnsuidh,  agus  ni  sinn  comhnuidh 
maille  ris  "  ;  Eoin  xiv.  23. 

Cha   'n   e  mo  mhiann   thu    thriall    air   falbh 

gun  dail 
Mar  neach  air  chuairt,  ach  thu  bhi  'gabhail 

taimh 
A'm    chuideachd    fein,    a  Dhe,     le    cairdeas 

dliith, 
A    chaoidh  nan  cian  nach    treig,   fan  maille 

rium  ! 


LA  IS   BLIADHNA  LEIS  NA   H-EOIN. 

CoiNNEACH    MacLsOID. 

Tha  mi  'ga  mheas  'na  bhuannachd  nach 
beag  gu'n  do  dheonaich  Ni  Maith  dhomli,  a 
dh'  aindeoin  drip  an  t-saoghail,  la  is  bliadh- 
na  de  mo  bheatha  chur  seachad  conihla  ris  na 
h-eoin.  Riamh  o'n  chaidh  innseadh  dhomh, 
an  tiis  m'oige,  gu  robh  mi  '  cho  gorach  ris 
na  h-eoin,'  bha  m'fhuil  a'  teoghadh  ri  m' 
fhine,  agus  mo  chridhe  ghnath  an  geall  air 
a'  chairdeas  agairt.  Theagamh,  na'm  bith- 
inn  'gam  shloinneadh  fein,  gur  h-ann  do 
na  h-eoin-mhara  as  ro-chairdiche  mi ;  ach  cha 
'n  'eil  mi  idir  a'  gearan,  is  cha  bu  chomain 
domh,  gur  h-ann  an  luib  nan  eun-monaidh  a 
dheonaich  Ni  Maith  mo  chur.  Cha  robh  mi 
buileach  gun  eolas  orra  roimhe.  Co-dhiii, 
bhiomaid  a'  beannachadh  d'a  cheile  air  an 
rathad  mhor,  is  anns  a'  choille-chno ;  agus 
a  thuilleadh  air  sin;  bu  chaomh  leam  riamh  a 
bhi  leughadh  eachdraidh  na  h-ealtainn  a  reir 
nan  ollamh.  Ach  is  eol  domh  nis  nach  ion- 
nan  idir  an  da  ni,  aithne  gun  chomaidh  agus 
caidreabh  taobh  an  nid.  Bha  mi  uair  anns 
a'  bheachd  gu  robh  na  h-ollamhan  na  b'eol- 
aiche  air  nos  na  h-ealtainne  na  bha  na  h- 
eoin  fhein,  ach  cha'n  'eil  mi  buileach  cho 
daingeann  anns  a'  bheachd  sin  an  diugh. 
Co-dhiu,  chunnaic  mi  na  h-eoin  a'  neadach- 
adh  am  badaibh,  agus  ag  itheadh  troileis, 
a  bha  calg-dhireach   an  aghaidh  gach  riagh- 


31 


ailt  a  leugh  mise  riamh  anns  na  leabhraich- 
ean.  Gun  teagamh,  tha  cion  na  Beurla  fa- 
gail  nan  ©un  deireasach  an  inniadh  doigh ; 
is  e  sin  as  coireach  naeh  do  thuig  iad  fhatli- 
ast,  gur  h-e  an  t-ollamh  nach  d'ith  boiteag 
riamh,  is  nach  do  shuidh  riamh  air  nead, 
as  fhearr  fios  ciod  tha  maith  do  chreutaivean 
beaga  ta  deanamh  an  da  chuid.  A  mach 
uaithe  sin,  faodar  a  radh  le  firinn  nach 
'eil  clann-eunlaidh  agus  clann-daoine,  maith 
ris  a'  mhaith  agus  olc  ris  an  olc,  na's  eu- 
coltaiche  ri  chcile  na  tha  bo  mhaol  odhar 
agus  bo  odhar  ndiaol — ach  direach  gu  bheil 
na  h-eoin  beagan  na's  glice  anns  a'  ghor 
aiche,  agus  na  daoine  beagan  na's  goraiche 
anns  a'  ghliocas. 

Is  iomadh  uair,  is  mi  'nam  shtxidhe  aii' 
cliabh  aig  ceann  an  tighe,  a  smaointich  mi 
nach  robh  an  Calaman  idir  cho  neo-chiontach 
ri  choltas,  is  gu  robh  dealan  beag  de  'n 
chrochaire  a'  boillsgeadh  air  uairibh  'na 
shuil.  Nis  o'n  bha  mi  thai!  is  a  chunnaic 
mi,  tha  mi  ag  iarraidh  maitheanais  air  a' 
Ghalaman.  Is  fheudar  domh  aideachadh  gu 
bheil  e  direach  mar  tha  e,  'na  mhoigein  lagh- 
ach  neo-chiontach,  nach  cumar  gu  brath  oidh- 
ehe  'na  dhiiisg  le  luasgan  eanchainn.  Mheall 
a'  Chailleach-oidhche  orm  cuideachd.  Bha 
mi  an  diiil  riamh  gu'm  bu  bhoireannach 
maith  i;  agus  cha  robh  uair  a  bhiaoniadh  i 
a  da  ghhig-shu'il  nach  robh  i  toirt  'nam 
ohuimhne  hitha-traisg,  no  ni-eigin  eile  ceart 
cho  crabhach.  Tha  fios  agam  a  nis  gu  bheil 
ise  cuideachd  direach  mar  tha  i- — is  cha'n 
ann  mar  a  shaoil  !  Cliunnaic  mi  na  li-eoin 
eile  call  an  liiiths  leis  a'  ghaireachdainn,  is 
a'  chailleach  a'  dol  troimh  'n  chomhradh  ain- 
meil  a  bha  eadar  i  fhein  agus  Domhnull  Mac 
Fhionnlaigh  bochd  a  bha'n  Loch  abar.  'Is 
ann  mar  so  a  bha,'  theireadli  ise,  is  i  'na 
seasamh  air  tobhta  ceardaich  a  bh'ann. 
'  Thuirt  Domhnull  rium  fhein,  is  mi  cur 
seachad   an   fheasgair  comhla   ris  : 

"Nis  o'n  a  tha  thii  aosda." 

Bha  e  leth-char  dall,    an  duine  bochd  ! 

"  Deansa  t'  fhaosaid  ris  an  t-sagairt, 
Agus  innis  dha   gun   euradh 
Gach  aon  sgeula  g'a  bheil  agad." 

Chrom  mi  fhein  mo  cheann  gu  baintidh 
grinn,  is  rinn  mi  osnadh  mor,  is  chuir  mi 
caoin  shllom  bboidheach  air  mo  ghuth,  is 
rinn  mi  osnadh  eile  nach  bu  mhiosa  na  chiad 
fhear,  agus   arsa  mi  fhein  : 

"  Cha  d'  rinn  mise  braid  no  breugan, 
,.    Cladh    no  tearmad   a  bhristeadh, 
Air  m'  fhear  fhein  cha  d'rinn  mi  iomluas, 
Is   cailleach   bhochd  ionraic  mise."  ' 


Ach  thusa,  Chailleach-oidhche !  Bha  fior- 
shannt  orm  eolas  na  bu  dliiithe  fhaotainn  air 
an  Fheannaig,  ach  gu  tubaisteach  thachair 
gu  robli  ise  fd  choill  anns  a'cheart  am — co- 
dhiu,  fad  na  ciad  leth-bhliadhna.  Bha  seal- 
gair  iir  air  tighinn  do'n  duthaich,  agus  bha 
de  chron  air,  comhla  ris  gach  cron  eile,  gur 
h-e  an  t-eun  air  an  cuimsicheadh  e  a  leagadh 
e;  ni  nach  'eil  idir  cumanta  am  measg  luchd- 
seilge,  oir  cha'n  fhaca  mi  riamh  nach  e  an 
t-eun  a  bhiodli  iad  a'  seachnadh,  bu  dliiithe 
rachadh  air  a'  bhas.  Chuala  mi  an  Dreath- 
ann  Donn  ag  radh,  gu'm  Ini  mliixde  an  duth- 
aich gu  leir  fogairt  na  Feannaige — agus  gu 
'm  b'fheairrde  cuideachd  !  Cha'n  'eil  mi  .ag 
radh  nach  robh  an  Dreatliann  ceart.  Cha 
toigh  learn  a  bhi  'ga  innseadh,  ach  cha  robh 
fim  Fitheach  anabariach  aoigheil  rium  idir. 
Tha  an  t-ainm  aige  bhi  glic  ;  agus  ma's  fioi' 
na  theirear,  is  cliabh  chlach  air  an  druim 
an  gliocas.  Fhad's  a,  bha  mi  anns  an  ealt- 
ainn,  cha  deachaidh  fois  air  an  duine 
thriiagh  o  mhoch  gu  dubh,  ach  a  sior-chan- 
ranaich  gu  robh  deireadh  an  t-saoghail  am 
fagus,  agus  gu  robh  na  seachd  ■  deamhain 
cheana.  mu  sgaoil.  Theagamh  gu  bheil  e 
miomhail  dhomhsa  an  rud  aithris,  ach  cha'n 
fhaca  mi,  a  dh'aindeoin  giorrad  na  h-iiine  ! 
gu  robh  cail  an  Fhithich  gu  roic  dad  na  bu 
mhiosa  na  bha  i  roimhe.  Cha  bu  toigh  leam 
a'  Chuthag  riamh,  is  cha  toigh  leam  fliath- 
ast  i.  Tha  i  olc,  olc.  Tha  cuimhne  agam 
aon  mhaduinn,  is  mi  fann  le  cion  mo  bhroch- 
ain,  gu'n  d'rinn  i  diol  cho  sgreadaidh  orm 
is  nach  robh  mi  gu  maith  fad  na.  bliadhna 
as  a  dheidh.  Is  tha  i  cho  breugach  ris  na 
fir-chlis.  Chuala  mi  ghogaid  uair  is  uair  a' 
giigail  gu  laclurna  gu  robh  an  samlrradh  air 
tighinn,  agus  mi  fhein  'gam  dhubh-reoth- 
adh  leis  an  fhuachd  ri  taobh  braidseal  mor 
teine.  Is  tha  fios  aig  a'  bhaile  gu  leir  gu'm 
bi  a'  bhaobh  ri  leughadh  nan  cupannan,  ged 
tha  meomhair  na  faidheadaireachd  g'  a  dlth. 
Dh' innis  i  dhomh  fhein  o  chionn  corr  is 
fichead  bliadhna  nach  faicinn  ach  da  nollaig 
eile;  dli'innis  i  dhomh  an  uiridh,  is  aodann 
oirre  cho  fada  ris  a'  chlobha,  gu  faicinn  a 
dha  dheug  eile.  Ach  nach  diomhain  domhsa 
bhi  leudachadh  air  caithe-beatha  na  Cuth- 
aige.  Mar  thuirt  an  Calaman  bochd,  is 
ceann-crom  air  leis  an  naire  :  *  Am  faca  tu 
fhein  riamh  eun  laghach  sam  bith  a'  breith 
uighean  an  tighean  chaioh — ar  leam  nach 
'eil  e  dacent !  Chuir  na  h-eoin  eile 
mi  fo  gheasaibh,  gu'n  innsinn  do  chloinn- 
daoine  gu  bheil  cairdeas  na  Cuthaige  do'n 
ealtainn  a  mach  air  an  fhicheadamh  glun  ; 
agus  ceart  cho  luath  's  a  dh'fhosglas  i  a  gob, 
gu'n  aithnich  neach  sam  bith  gu  bheil  bias 
na   Beurla    air   a   cuid   Gaidhlig.        Tha   an 


32 


Dreathann  Donn  amis  a'  bheachd  gur  h-ann 
an  California  thall  a  Ijhios  i  cur  seachad  a' 
gheamhraidh,  is  gur  h-e  sin  as  coireach  i  bhi 
cho  .suarach  coma  c'ait  an  tilg  i  sniugaid. 
Bha  aniharus  agam  roinihe  gu'm  b'fhior- 
gheop  a'  Chathag,  agus  nach  robh  an  Clach- 
aran  fad  air  deireadh  oirre,  is  gu'm  biodli 
iad  le  cheile  bodhradh  ohaich  o  mhoch  gu 
dubh  le'n  cuid  boilich.  Ciod  tuilleadh  a  th' 
annta  a  bharrachd  air  geop  is  air  boilich, 
cluinnear  'na  dheidh  so.  Cha'n  'eil  agam 
ach  teist  mhaith  ri  thoirt  air  an  Smeorach 
is  air  an  Uiseig ;  tha  iad  le  cheile  cho  maith 
ri'n  ceol,  agus  foghnaidh  sin.  Cha'n  ann 
'ga  ailis  air  an  Smeorach  a  tha  mi,  ach  sa- 
oilidh  mi  nach  'eil  e  buileach  cho  neo-sha- 
oghalt-a  ris  an  TJiseig,  agus  gu  bheil  beagan 
a  bharrachd  de'n  deamhan  ann  :  da  ni  nach 
misde  neach  sam  bith  a  ta  fuireaoh  an  ath 
dhorus  ri  Sionnach  no  ri  Cailleach-oidhche. 
Cha  bhiodh  ann  ach  ladurnas  dhomh  am  Brxi- 
dearg  a  mholadh.  0  bharr  a  ghuib  gu  barr 
na  h-earr-ite,  cha'n  fhaighear  aon  ghaine- 
amhan  de'n  fhoill  ann  ;  agus  cha'n  'eil  eun 
eile  anns  an  ealtainn  gu  leir  as  urrainn  a 
thilgeadh  air,  gu'n  do  dhiochuimhnich  e 
riamh  c'  ar  son  ata  bhroilleach  dearg.  Bidh 
e  fhein  is  an  Calaman,  na  truaghain,  a' 
deanamh  an  dichill,  a  dh'aindeoin  buirt  is 
magaidh,  gu  tomhas  de  stoldachd  is  de 
chrabhachd  a  chur  anns  na  h-eoin  eile.  Ach 
mar  thuirt  an  Dreathann  Donn  riutha  :  'Tha 
sibh  tuilleadh  is  anmoch,  a  chairdean  ion- 
mhuinn.  Na  robh  thusa,  Chalamain,  air  an 
aire  a  chur  fodha,  bhiodh  an  saoghal  cuibh- 
iseach  maith  an  diugh.'  Tha  so  'gam  thoirt 
gus  an  dileas  dheireannach — mo  chaomh- 
charaid,  an  Dreathann.  An  da  chuid  an 
leirsinn  is  an  duinealas,  is  e  iochd  ar  n-achd 
righ  na  h-ealtainne ;  an  coimeas  ris,  cha'n 
'eil  anns  an  lolair  ach  cridhe  na  circe  ann 
an  gob  na  h-airce.  A'  chiad  uair  a  bhruidh- 
inn  mi  ris,  bha  e  air  an  iteig  dhachaidh, 
agus  srauid  aige  air  port  : 

'  Tha  mi  'n  duil  gu'm  bi  mi  nochd 
Ri  taobh  mo  ghaoil,    ge  b'ann  air  sop, 
Tha  mi  'n  diiil  gu'm  bi  mi  nochd 
Air  taobh  a  bhos  na  h-aibhne. ' 

Dh'innis  mi  dha,  anns  a'  Ghaidhlig  a  b' 
fhearr  a  bh'agam,  gu'm  b'e  mo  run  la  is 
bliadhna  chur  seachad  comhla  ris  na  cair- 
dean;  agus  gu'm  bithinn  fada  'na  chomain, 
na'n  gabhadh  e  mi  fo  a  sgeith  fhad's  a 
bhithinn  anns  an  ealtainn,  is  gun  annam 
ach  leirist  de  choigreach.  '  Mata,  a  choig- 
rioh,'  ars'  esan,  '  cha'n  'eil  barail  choir  sam 
bith  agam  fhein  air  cloinn-daoine  ;  a'  chuid 
nach  'eil  straiceil  dhiubh,  tha  iad  olc,   agus 


a'  chuid  nach  'eil  olc,  tha  iad  cho  gorach  ris 
na  cruimheagan.  Ach  o'n  thainig  thu,  cha- 
raid,  is  gur  teotha  fuil  na  uisge,  fhad  's  a 
bhios  cosag  no  boiteag  aganisa,  bidh  cosag  is 
boiteag  agaclsa.'  Mur  do  chum,  is  mur  do 
sheachd-chum,  esan  ri  ghealladh,  cha'n  'eil 
solus  anns  a'  ghrein  no  doimhneachd  anns 
a'  mhuir.  Ged  gheibhinn  saoghal  na  b' 
fhaide  na  tha  diiil  agam  ris,  cha  leig  mi  as 
mo  chuimhne  gu  brath  an  Dreathann  is  e 
'na  sheasamh  air  stob,  sop  feoir  'na  bheul, 
goio  'na  cheann,  is  e  meomhrachadh  air  fir 
is  air  eoin,  is  air  nithean  diomhair  an  domh- 
ain.  Is  an  uair  a  chnuasaicheadh  e  nithean 
gu  dheoin,  chaireadh  e  an  sop  air  an  stob,  is 
dheanadh  e  an  t-suil  bheag  rium  fhein. 
'Faodaidh  gu  bheil  mi  neonach,'  theireadh 
esan,  '  ach  is  iomadh  rud  a  chunnaic  mi,  a 
dhuine.'  Agus  gu  cinnteach  b'fhior  dha,  o'n 
a  b'fhior  uaithe.  Ge  mor  am  facal  e,  cha 
dana  dhomh  radh,  gu'n  cuireadh  e  h-uile  mac 
mathar  de  na  h-ollamhan  Gearmailteach  anns 
na  crannaibh  seilich  le  feallsanachd  is  le 
diomhaireachd.  A  charaid  bhig  mhoir,  cha 
'n  ann  a  chionn  gu  robh  thu  coibhneil  rium 
a  tha  mi  'ga  radh,  ach  na  faighinn  triuir 
am  dhuthaich,  a  thigeadh  an  gaoith  do 
sgeithe  an  gliocas,  an  uaisle,  an  duinealas, 
cha  bu  nead  cutbaige  mo  dhuthaich.  Is  cha 
'n  iongantach  leam,  ged  is  iongantach  uam  ! 
t'fhacail  riirai  anns  an  dealachadh  :  '  O'n 
chuir  mi  eolas  ort,  a  charaid,  cha'n  abair 
mi  gU'  bheil  clann-daoine  cho  olc  's  a  bha  mi 
an  diiil — ^ach,  0  bhoiteag  chridhe,  tha  iad 
pailt  na's  goraiche  !  ' 


LAOIDH. 


Ath-bheothaich  d'  obair   fhein  ; 

A  Dhe,  do  ghairdean  riiisg  ; 
Cluinneadh  na  marbhaibh  guth  do  bheoil, 

'S  do  phobull  ghiais  is  dixisg. 

Ath-bheothaich  d'    obair  fhein  ; 

Bris  cadal  trom  a'  bhais  : 
Cuir  beatha  anns  na  h-eibhlean  fuar, 

Le    anail  bheo  do  ghrais. 

Ath-bheothaich  d'  obair   fhein  : 
Cuir   iarraidh   anns  gach   cridh', 

Ort  fhein  is  air  an  aran  bheo 
A  thig  o  d'  laimh  gun  dith. 

Ath-bheothaich   d'   obair   fhein. 
Is  ardaich  d'  ainm  ro  chaomh  : 

Beothaich  ar  gradh  dhuit  fhein  's  do  d'shluagh, 
Le   buaidh   do  Spioraid  Naoimh, 


Air.    9. 


1926. 


ANNS    A'   CHOILLE   BHEITHE. 

Tha  fear  de  shean-fhacail  nan  Gaidheal  ag 
radh  nach  bi  grinneas  le  luathas,  ach  na'n 
robh  iiine  aig  a'  ghineil  so  air  sean-fhacail 
a  dheanamh — rud  nach  'eil — tha  mi  an  diiil 
gu'n  cuireamaid  car  eile  anns  an  fhacal  agus 
gu'n  abramaid  gu'm  bi  sonas  le  luathas.  An 
ceart  uair  tha  a'  mhor-chuideachd  de  shluagh 
an  t-saoghail  am  beachd  gu'm  biodh  iad  Ian 
shona  na'm  faigheadh  iad  a  bhi  siubhal 
troimh  'n  duthaich  cho  hiath  ris  na  h-eoin. 
Tlia  faiiiit.u  iiig  iio.  cois>icii€tiJi  ri  iLLciJAi-aiLUj.- 
cuibhlichean ;  Ifarmad  aig  luchd-nan-cudbh- 
lichean  ri  luchd-nan-carbadan-iiilidh ;  far- 
mad  aig^  luchd-nan-carbadan-uilidh  ris  an 
fheadhainn  aig  a  bheil  soithichean-adhair ; 
agns  iad  uile  an  duil  nach  beir  iad  air  a  bhi 
sona  mur  bheil  iad  a'siubhal  gun  sgur,  agus 
a'  siubhal  le  luathas  na  gaoithe. 

Ach  a  Mhuire  na  greine  cha  'n  ionnan 
leam  a  bhi  'n  am  shuidhe  air  an  tolman 
bhoidheach  so  anns  a'  Choille  Bheithe,  ag 
eisdeachd  ri  na  h-adharcain-luachrach,  agus 
ris  na  rocais,  seach  a  bhi  ann  am  fear  de 
na  caraichean-siubhail  a  tha  dol  seachad  air 
an  rathad  an  diugh  agus  iad  a'  deanamh 
da  fhichead  mile  's  an  uair.  Cha'n'eil  far- 
mad  air  an  t-saoghal  agam  ris  an  fheadhainn 
a  tha  annta,  agus  tha  amharus  agam  gu'm 
biodh  an  dara  leth  dhiubh  a  cheart  cho  sona 
ged  a  dh'  fhanadh  iad  aig  an  tigh.  Bho 
shuidh  mi  air  an  tolman  so  chaidh  tri  no 
ceithir  fichead  carbad-siubhail  seachad,  agus 
i-id  uile  'n  an  cabhaig  mar  gu'm  biodh  do- 
tair  a'  ruith  gu  duine  tinn.  Ach  ged  a  tha 
iad  'na  leithid  de  chabhaig  tha  amharus 
agam  nach  'eil  anns  a'  chuid  mhor  dhiubh 
ach  daoine  diomhaineach.  Sin  rud  sle  neo- 
nach,  ach  rud  a  cm  in  a  gu  trie  anns  na  laith- 
ean  so,  gur  e  na  daoine  as  dlomhainiche  as 
motha  air  a  bheil  de  chabhaig ;  daoine  aig 
nach  'eil  dad  r'a  dheanamh  aguis  a  dh'  fhaod- 
adh  laighe  seachd  seachduinnean  air  an 
leabaidh  na'n  toilicheadh  iad. 

Coma  leam  am  fasan  ur  so  idir,  am  fasan 
a  bhi  air  ghluasad  gun  sgur,  a'  siubbal  sios 
agus  suas.  Cha  toigh  leam  idir  e,  agus  ged 
nach  biodh  dad  eile  'n  a  aghaidh  ach  gur  e 
Satan  a  thoisich  air  an  toiseach,  bu  leor  sin 
fhein.  An  uair  a  chuir  lehobhah  a'  cheist 
air  Satan,  agus  e  air  e  fein  a  nochdadh  gu 
dalma  'n  a  lathair,  "Cia  as  a  thainig  tu?," 
fhreagair  Satan  agus  thubhairt  e,  "  0  im- 
eachd  mu  'n  cuairt  air  an  talamh  agus  o 
shiubhal  sios  agus  suas   air."        Is  gasda  le 


Satan  daoine  a  chur  'n  an  cabhaig,  agus  an 
cur  gu  siubhal,  oir  tha  fhios  aige  gle  mhaith 
gu'n  cum  sin  iad  gun  a  bhi  smuaineachadh 
air  a  chuilbheartan  fhein. 

Tha  mi  an  diiil  gur  e  na  dotairean  a  chuir 
ann  an  cinn  dhaoine  gu  bheil  e  maith 
dhaibh  a  bhi  siubhal  sios  is  suas.  Ach  tha 
na  dotairean  gle  choltach  ris  na  h-Arabaich ; 
innsidh  iad  dhuit  an  rud  a  chordas  riut. 
Sin  an  t-aobhar  gu'm  bi  uiread  de  na  ligh- 
ichean  a'  comhairleachadh  do  dhaoine  tinne 
dileag  bheag  uisge-bheatha  a  ghabhail  an 
Jrasd  's  a  rithist.  Tha  fiiios  aca  nach  mi- 
chord  an  leigheas  sin  ri  daoine  idir,  agus 
gu'm  paigh  iad  gini  gu  toileach  air  son 
comhairle  cho  glic. 

Cha'n'eil  mise  ag  radh  nach  'eil  e  maith  do 
dhaoine  atharrachadh  fhaotainn  an  drasd  's 
a  rithist,  ach  air  mo  shon  fhein  dheth  gheibh 
mi  na  tha  de  atharrachadh  no  de  urachadh 
a  dhith  orm  gun  dol  da  cheud  ceum  o'm 
dhorus  :  gheibh  mi  e  ann  an  samhchair  na 
Coille  Bheithe  far  a  bheil  upraid  an  t- 
saoghail  cho  fada  air  falbh  bhuam  's  ged 
bhithinn  am   meadhon  fasach  na  h-Eiphit. 

An  ceann  deich  laithean  tha  agam  ri  paip- 
ear  a  leughadh  air  beulaobh  comunn  beag 
de  dhaoine  a  tha  moran  na's  ionnsaichte  na 
mi  fhein,  agus  thainig  mi  a  mach  do'n  'n 
Choille  Bheithe  an  diugh  a  mheomhrachadh 
air  mo  shocair  'n  am  inntinn  fein  air  a' 
chuspair  air  a  bheil  mi  a'  dol  a  bhruidhinn. 
Feumaidh  duine  a  smuaintean  a  dheanamh 
soilleir  dha  fhein  mu'n  urrainn  e  an  dean- 
amh soilleir  do  dhaoine  eile,  agus  as  eug- 
mhais  simplidheachd  is  soilleireachd  a  bhi 
'n  a  sheanchas  cha'n'eil  ann  am  fear-labh- 
airt  air  bith  ach  ciombal  a  ni  gleangarsaich. 
Tha  aithreachas  orm  a  nis  nach  do  thoipich 
mi  air  mo  smuaintean  a  shocrachadh  na  bu 
traithe,  oir  tha  an  sean-fhacal  ud  a'  seirm 
a'm'  chluais,  "  Cha  bhi  luathas  agus  grin- 
neas. " 

An  uair  a  phos  nighean  an  uachdarain  ann 
an  Cille-sgumain,  agus  a  bha  an  tuath  a' 
toirt  dhi  soithichean  airgid  air  son  a'  bhuird, 
dh'  iarr  iad  air  Iain  Mor  Mac  Thomais 
bruidhinn  air  an  son  agus  oraid  fhreagar- 
rach  a  thoirt  seachad  an  cois  an  tabhartais. 
Dh'  innis  bean  Iain  an  deidh  laimhe  gu'n 
tug  e  coig  seachduinnean  a'  cur  na  h-6raid 
ri  cheile ;  gu'm  biodh  e  a'  dol  troimhpe  leis 
fhein  anns  an  t-sabhal  maduinn  is  feasgar 
gus  an  do  shaoil  na  gillean  gu'n  robh  e  a' 
dol  as  a  rian ;  agus  gu'm  biodh  e  'g  a  gabhail 
dhise  tri  no  ceithir  a  dh'  uairean  's  an  lathsi 


34 


gus  an  robh  an  oraid  aice  air  a  teangaidh 
na  b'  fhearr  na  bha  i  aig  Iain  fhein.  Bu 
uihaith  dhasan  gu'n  robh,  oir  an  uair  a 
thainig  an  latlia  chaidli  e  'na  bhreathal  gu 
buileach  agus  b'  fheudar  do'n  mhnaoi  a  blii 
'g  a  chuideachadh  a  h-uile  uair  a  stadadh  e. 

Tha  mise  a'  dol  a  dheanamh  air  luchd- 
leughaidh  na  duilleig  so  car  mar  a  rinn  Iain 
Mor  Mac  Thomais  air  a  mhnaoi ;  tha  mi  dol 
a'  dh'  fheuchainn  oirbhse  an  toiseacli  rud  no 
dha  a  bu  mhaith  learn  a  radh  ris  na  daoine 
glic  agus  eagnaidh  ris  am  bi  mi  a'  labhairt 
an  ceann  dheich  laithean,  los  mo  smuaintean 
a   dheanamh  soilleir  dhomh  fhein. 

Is  e  an  cuspair  sonruichte  air  a  bheil  mi 
a'  dol  a  labhairt,  Am  ministear  mar  aogh- 
aire.  Tha  am  facal  aoghaire  a'  ciallachadh 
buachaille  no  ciobair,  agus  ciod  an  cliii  a 
b'  fhearr  air  ministear  air  bith  na  gu'm 
biodh  e  'n  a  bhuachaille  maith,  oir  is  e  sin 
cliii  a'  Mhaighstir  fein. 

Tha  na  h-aoghairean  coltach  ris  na  baird ; 
tha  iad  air  am  breith  'n  an  aoghairean. 
Tha  iad  'n  am  buachaillean  gu  nadurra ;  'n 
am  buachaillean  air  caoraich  chaillte. 
Theagamh  nach  'eil  gibhtean  searmonach- 
aidh  aca  mar  tha  aig  feadhainn  eile,  ach  tha 
rud  as  fhearr  aca,  tha  ealadhainn  aca  air 
anamanna  a  chosnadh  do  Dhia.  Faodaidh 
duine'  a  bhi  maith  air  searmonachadh  gun 
bhi  'n  a  dhuine  maith  no  diadhaidh  e  fhein, 
ach  cha'n  urrainn  duine  a  bhi  'n  a  aoghair 
maith  mur  bheil  e  fhein  'n  a  dhuine  maith. 
Oir  is  ann  le  cumhachd  a  mhaitheis  no  a 
dhiadhaidheachd  a  tha  buaidh  aige  thairis 
air  daoine  eile  agus  cha  'n  ann  le  cumhachd 
a  theangaidh. 

Uair  a  bha  Iain  R.  Mott  comhla  ri  seana 
charaid  thuirt  an  seann  duine  ris,  "  An  uair 
a  bhios  tusa  agus  duine  eile  leibh  fhein  am 
bi  thu  a'  bruddhinn  ris  mu  Chriosd?  " 
Chaidh  am  facal  ud  ann  an  cridhe  Iain 
Mhott  mar  gu'm  biodh  saighead,  oir  chun- 
naic  e  gu'n  do  leig  e  seachad  iomadh  coth- 
rom  air  Criosd  a  mholadh  do  dhaoine  eile. 
Co  aig  nach  'eil  droch  coguis  a  thaobh  na 
codach  so? 

Theagamh  gu  bheil  cuid  de  dhaoine  ann  a 
bhios  la'  deanamh  tuilleadh  's  a  choir  de 
bhruidhinn  mu  Dhia  agus  mu  ghairm  an  t- 
soisgeil  r'  an  co-chreutairean  aig  amannan 
nach  'eil  freagarrach  air  son  a  leithid  sin 
de  sheanchas,  ach  mu  choinneamh  an  aon 
duine  a  tha  dol  cearr  anns  an  doigh  sin  tha 
fichead  duine  a'  dol  cearr  le  bhi  cumail  sam- 
hach  uile  gu  I6ir. 

Cha'n'eil  dad  idir  a  bhuineas  do  obair  na 
ministrealachd  air  a  bheil  mise  mi  fhein  cho 
dearmadach  's  a  tha  mi  air  oifig  na  h-aogh- 
aireachd,        Bidh  mi   a'   dol  a  dh'    fhaicinn 


muinntir  a'  choimhthionail  'n  an;  tighean 
fein  bitheanta  gu  leoir,  ach  faodaidh  duine 
sin  a  dheanamh  gun  tairbhe  air  bith  a  bhi 
ann  do'n  fheadhainn  air  a  bheil  e  a'  tadhall. 
Air  uairean  bidh  mi  a'  cur  romham  sgui- 
de  th'adhall  air  a'  choimhthional  uilei  gu 
leir,  ach  a  mhain  air  daoine  tinne,  ach  tha 
a'  ghealtachd  a'  toirt  orm  leantuinn  air  fasan 
anns  nach  'eil  maith  air  bith,  air  eagal  gun 
toisicheadh  an  coimhthional  air  gearan  agus 
gu'n  abradh  iad  nach  robh  suim  air 
bith  aig  a'  mhinistear  dhiubh.  An  aite  e 
bhi  'n  a  chomharradh  nach  robh  suim  agam 
dhiubh  is  ann  a  bhiodh  e  'na  chomharradh 
air  m'  eud  d'  an  taobh  na  'n  cuirinn  seachad 
na  h-uairean  a  bhios  mi  a'  cur  seachad  'nan 
tighean  am  measg  mo  leabhraichean  agus  a' 
rannsachadh  na  Firinn. 

Mur  bheil  am  ministear  a'  coimhlionadh 
dreuchd  na  h-aoghaireachd  an  uair  a  tha 
e  a'  tadhall  air  teaghlaichean  b'  fhearr  dha 
gu  mor  gun  tadhall  orra  idir  :  mur  bheil 
e  a'  tadhall  orra  ach  mar  gu'n  deanadh  am 
posta  no  Seonaid  Eachainn  a  bhruidhinn  air 
naigheachdan  na  diithcha  bha  cho  mhaith 
dha  a  bhi  'n  a  chadal.  Na'n  robh  gibhtean 
an  aoghaire  aig  duine  gu  nadurra  theag- 
amh gu'n  rachadh  aige  air  siol  an  t-soisgeil 
a  chur  ann  an  aite  air  bith  anns  an  suidh- 
eadh  e  eadhon  fad  choig  mionaidean.  Ach 
air  mo  shon  fhein  dheth,  dh'  fhairtlich  an 
rud  so  orm  cho  buileach  's  gu  bheil  mi  cinn- 
teach  nach  tug  Dia  dhomh  dad  idir  de 
ealadhain  na  h-aoghaireachd.  Tha  e  duil- 
ich  dhomh  a  radh  ri  duine  eile  mar  thuirt 
Seanalair  Booth  ri  Cecil  Rhodes  a'  cheud 
uair  a  thachair  iad  air  a  cheile  "  A  bheil 
cuisean  ceart  a  thaobh  d'  anama?  " 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  mi  ann  an 
Cille-Sgumain  bha  mi  fhein  agus  Niall  Mac 
Pharlan,  B.D.,  a'  bruidhinn  air  a'  cheart 
ni  so,  ach  bha  beachdan  an  Urramaich  sin 
calg-dhireach  an  aghaidh  mo  bheachdan-sa. 
Tha  e  an  duil  gu  bheil  e  fhein  'n  a  aoghair 
anabarrach  maith  agus  gu  bheil  e  a'  coimh- 
lionadh a'  chuid  sin  d'a  dhreuchd  fada  na's 
adh  a'  chuid  sin  d'a  dhreuchd  fada  na's 
fhearr  na  tha  mise  no  duine  eile  ann  an 
CI6ir  Mhuile.  Ach  innsidh  mi  dhuit  ciod 
a  thachair  am  feasgar  a  bha  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  a'  tadhall  air 
muinntir  a'  Bhaile  Nodha  agus  leigidh  mi 
leat  fhein,  a  leughadair,  tighinn  gu  co'- 
dhimadh  air  bith  a  thoilicheas   tu. 

B'e  a'  cheud  tigh  anns  an  do  thadhaill  e, 
tigh  Iain  Mhic  Cuarraig.  Bha  Iain  a' 
spealadh  an  fheoir  is  cha  robh  duine  a  stigh 
ach  a  bhean;  boirionnach  beag  ruadh  a  bha 
'na  searbhanta  aig  a'  Choirneal  mu'n  d© 
phos   i,    agufii   aig    nach    'eil   rud    air    an   t- 


35 


saoghal  a'  ruith  'na  h-inntinn  aoh  na  h-, 
aoidhean  uasal  a  bhiodh  a'  tighinn  do'n 
\Chaisteal.  Dh'  fhaii  e  coinhla  rithe  fad  letli- 
/^uair  agus  fad  na  h-uine  cha  robh  seanchas 
eile  aca  ach  an  Coirneal,  agus  clann  a' 
Choirneil,   agus  na  h-uaislean. 

An  sin  chaidh  e  do  thigh  Eoghain 
(ihobha.  Bha  Eoghan  agus  a  chlann  a 
stigh,  agixs  a  bhean  cuideachd,  ach  an  uair 
a  thoisicheas  Eoghan  Gobha  air  bvuidhinn  air 
na  bocsaii-ean  mu  'm  bi  e  a'  leughadh  anns 
na  paipeai'an  cha'n'eil  e  furasda  stad  a 
chur  air,  agus  bha  ceilidh  a'  mhinistir  gu 
maith  fada  mu'n  do  stad  Eoghan  de  na  boc- 
sairean. 

An  uair  a  rainig  e  Peigi  Nic  Phail  bha 
Peigi  a'  pacadh  uibhean  ann  am  bocsa  a  bha 
i  a'  cur  gu  nighean  a  peathar  ann  an  Glas- 
chu,  agus  b'e  an  comhradh  a  bha  eatorra 
fad  na  h-uine  a  bha  e  a  steach  mar  bha  na 
cearcan  aig  Peigi  a'  breith.  Thuirt  i  gu'n 
robh  i  a'  faotainn  sia  uibhean  "s  an  t-seach- 
duin  bbo  na  Wyandottes,  agus  dh'  earalaich 
i  air  a'  mhinistir  gun  seorsa  air  bith  a  chum- 
ail  ach  Wyandottes.  Thug  Peigi  cupan  tea 
dha  mu'n  d'  fhalbh  e. 

Mu'n  do  chiar  am  feasgar  thadhaill  e  ann 
an  c6ig  tighean  eile;  bha  iad  uile  toilichte 
fhaicinn  agus  thairg  iad  uile  tea  dha.  Rinn 
e  fhein  agus  muinntir  nan  tighean  sin  sean- 
chas mu  fhichead  rud ;  mu  na  gualadair- 
ean  nach  'eil  ag  obair ;  mu'n  aireamh  chear- 
ca-fraoich  a  mharbh  an  Coirneal;  mu'n 
phris  a  fhuair  Fionnladh  Mac  Rath  air  a' 
mhart  ruadh,  agus  a  phris  a  fhuair  Tom 
Eliot  air  na  hi-uain, — ach  aon  fhacal  cha 
robh  eatorra  a  thaobh  nan  nithean  a  tha 
neo-fhaicsinneach   agus   siorruidh. 

Ann  an  ciaradh  an  fheasgair  thill  an  t- 
Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  dhach- 
aidh,  agus  e  a'  faireachduinn  'na  chridhe 
gu'n  do  rinn  e  obair-latha  mhaith,  agus  gu 
'n  robh  am  feasgar  a  chuir  e  seachad  anns 
a'  Bhaile  Nodha  maith  do  aobhar  na  h-eag- 
lais  agus  do   rioghachd  Dhe  air  thalamh. 

Ciod  do  bheachd   fhein,   a  leughadair? 

Is  e  mo  bheachd-sa  gu'm  b'  fhearr  dha 
fhein  agus  do'n  eaglais  agus  do  rioghachd 
Dhe  e  bhi  'na  chadal,  ach  a  mhain  gu'n  robh 
e  'na  fhaochadh  do  chridhe  Ealasaid  Bheag 
gu'n  d'  fhuair  i  bruidhinn  ris  mu'n  loinidh  a 
tha  'g  a  pianadh  agus  gu'n  do  rinn  e  ur- 
nuigh  comhla  rithe,  an  aon  dleasdanas  spior- 
adail  no  aoghaireil  a  choimhlion  e  fad  an 
fheasgair. 

Do  ixihinistear  nach  'eil  'n  a  fhior  aoghair 
gu  nadurra  tha  e  gle  dhuilich  anns  an  la  an 
diugh  dol  0  thigh  gu  tigh  tri  no  ceithir  de 
laithean  anns  an  t-seachduin  gun  a  dhich- 
uimhneackadh     gur      e     seirbhiseach      agus 


teachdaire  an  Tighearna  a  tha  ann.     Tha  e 

furasda  dha  pairt  a  ghabhail  anns  a'ghoil- 
eab  agus  anns  an  t-seanchas  gun  bhuannachd 
a  bhios  a'  dol  mar  nach  robh  ann  ach  fear- 
siubhail,  no  fear-reic  aodaichean  bho  bhxith 
Shimpsoin  ann  an  Glaschu,  no  marsanta  tea. 
Faodaidh  ministear  gorach  do  nach  aithne 
a  theanga  a  chumail  barrachd  cron  a  dhean- 
amh  d'a  obair  fhein  ann  an  coig  mionaidean 
na's  urrainn  e  a  dheanamh  de  mhaith  anns 
a'   chubaid  ann  an   coig  bliadhna. 

An  ath  uair  a  dh'  iarras  Cleir  Dhun-cailin 
orm  earail  a  thoirt  do  choimhthional 
no  do  mhinistear  6g  a  bhithear  a'  pos- 
adh  ri  eaglais  tha  mi  an  dull  gu'n  cuir  mi 
'n  an  cuimhne  da  fhacal  anns  an  Fhlrinn  air 
a  bheil  mi  a'  dol  a  dheanamh  searmoin  uair- 
eigin, — 

(1)  Cha'n  eil  tlachd  aig  an  Tighearna  ann 
an  casan  cluine. — Salm  cslvii. 

(2)  Na  rachaibh  o  thigh  gu  tigh. — Lucas  x.  7. 

Ach  ged  nach  'eil  cuid  de  na  thubhairt  mi 
ach  eadar  fheala-dha  is  da-rireadh  tha  mi 
Ian  chinnteach  gu  bheil  a'  chuid  mhor  de 
mhinistearan  a'  cosd  barrachd  d'  an  iiine  na 
bu  choir  dhaibh,  a'  falbh  o  thigh  gu  tigh, 
agus  gu  bheil  iad  a'  deanamh  sin  cha  'n  ann 
a  chionn  gu  bheil  e  buannachdail  dhaibh  fein 
no  do  dhaoine  eile  gu  spioradail  ach  a  chionn 
gu  bheil  fiughair  aig  an  t-sluagh  ris  agus 
gu'm  biodh  iad  a'  gearan  mur  faigheadh  iad 
e.  Theagamh  gu'm  bi  mo  choimhthional 
fhein  a'  gearan  ormsa  nach  bi  mi  a'  tadhall 
orra  cho  trie  's  a  bu  choir  dhomh,  ach  an 
aite  mo  choguis  a.  bhi  'g  am  dhiteadh  gu  bheil 
mi  a'  dearmad  a'  chuid  sin  de  m'  obair  is 
ann  a  bhios  i  'g  am  dhiteadh  gu  bheil  mi  a' 
cur  seachad  tuilleadh  's  a  choir  d'  am  iiine 
a'  siubhal  o  thigh  gu  tigh  agais  o  ghleann  gu 
gleann,  an  uair  a  dh'  fhaodainn  a  bhi  ri 
obair  a  bu  bhuannachdaile  dhaibh  aim  am 
chathair. 

An  uair  a  tha  daoine  tinn  no  tha  triob- 
laid  ann  an  teaghlach  sin  an  t-am  ann-s  am 
faod  ministear  a  dhreuchd  a  choimlionadh 
am  raeasg  dhaoine  gu  samhach  agus  ann  an 
spiorad  a'   ghraidh. 


MAR  A  BHEANNAICH   DIA   LEABHAR 
BE  AG. 

Tha  moran  dhaoine  a'  sealltainn  slos  le  tair 
air  na  sgriobhaidhean  ris  an  abrar  Tract- 
aidhean.  Ach  is  toigh  leamsa  Tract^idhean, 
ma  tha  iad  air  an  sgriobhadh  gu  simplidh 
agus  ma  tha  dreach  na.  firinn  orra.  Agus 
an  aite  a  bhi  sealltuinn  sios  orra  bu  mhaith 
leam  riaghailt  ur  a  dheanamh  a  thaobh  oilean- 


36 


achadh  mhinistearan ;  nach  biodh  ministear 
6g  air  a  leigeil  a  mach  as  a'  Chollaiste  no 
comas  searnionachaidh  air  a  thoirt  dha  gus 
an  sgriobhadh  e  Tract.  Chuireadh  sin  dear- 
bhadh  air  a  theagasg  agiis  air  a  theachdair- 
eaclid  nach  cuireadh  ceasnachadh  ann  an 
Eabhra. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  leughadh 
beatha  an  diadhair,  Newman  Hall,  duine  a 
rinn  obair  mhor  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil, 
ach  ged  a  bha  a  lamh  ann  an  cuisean  cud- 
thromach,  agus  a  shearnionaich  e  ann  an 
eaglaisean  mora  an  lathair  phrionnsachan  an 
t-sluaigh,  agus  a  bha  e  'na  charaid  agus  'n 
a  fheai'-comhairle  aig  maithean  na  duthcha 
agus  pearsachan  Parlamaid,  thainig  an 
smuain  'n  am  inntinn  an  uair  a  chrioch- 
naich  mi  an  leabhar  gur  e  an  obair  a  bu 
bhuannachdaile  a  rinn  e  riamh  tract  hheag  a 
sgriobh    e. 

Bhiodh  e  a'  searraonachadh  air  na  sraid- 
ean,  agus  gu  sonruichte  air  ciil  shraidean  a' 
bhaile,  f-ar  an  robh  daoine  neo-churamach 
agus  neo-dhiadhaidh  aig  nach  robh  cothrom 
eile  air  an  t-soisgeil  a  chluinntinn.  Feas- 
gar  a  bha  e  a'  seinn  laoidh  dhaibh  anns  an 
robh  na  briathran,  Thigihh  gu  losa  an 
truth  so,  thuirt  e  ris  fhein  nach  robh  sois- 
geul  eile  a  b'  fhearr  a  thoirt  daibh  na  sin. 
Aig  an  am  so  d'a  bheatha  ghabh  e  fiabhrus- 
loinidh  gu  dona:  anns  an  leabaidh  thainig 
an  smuain  'n  a  inntinn  gu'n  do  sgriobh  e 
tractaidhean  mu  stuamachd  agus  tractaidh- 
ean  mu  aonadh  nan  eaglaisean,  ach  nach  do 
sgriobh  e  riamh  tract  a'  toirt  cuireadh  an  t- 
soisgeil  do  pheacaich. 

Chuir  e  roimhe  gu'n  deanadh  e  an  obair 
ud  gun  dail,  agus  gun  gabhadh  e  an  coth- 
rom a  thug  Dia  dha  air  seirbhis  a  dheanamh 
dha  air  an  leabaidh  ris  nach  fhanadh  e  an 
uair  a  bha  e  luath  laidir. 

Sin  mar  chaidh  an  tract  bheag  ud  a 
sgriobhadh,  Thigihh  gn,  lom,  tract  a  chaidh 
muilleinean  dhi  a  reic;  a  bha  air  a  tionnd- 
adh  gu  leth-cheud  canain  eile  a  thuilleadh 
air  a'  Bheurla,  agus  a  bha  air  a  beannach- 
adh  le  seula  agus  cumhachd  an  Spioraid  Na- 
oimh  do  iomadh  anam. 

Gheibhear  i  anns  gach  canain  's  an  Roinn- 
Eorpa,  eadhon  an  Romani,  canain  nan 
ceard ;  gheibhear  i  ann  an  lapan,  anns  na 
h-Innsean,  agus  ann  an  eileanan  iomallach 
na  Pacific.  Bha  i  air  a  leughadh  le  Papar 
naich  cho  mhaith  ri  Prostanaich,  agus  bha  i 
'n  a  meadhon  air  daoine  iompachadh  nach 
robh  roimh  sin  a'  creidsinn  ann  an  Dia. 
Mar  is  trice  cha'n'eil  ana-creidich  air  an 
iompachadh  le  argumaidean,  no  le  solus  reu- 
soin,  ach  leis  a'  chumhachd  dhiomhair  sin 
a  tha  daonnan.a'  dol  an  cois  Facal  Dhe. 


MAR  NA   LEAN ARAN. 

Tha  e  duilich  a  raa'ii  ciod  a  bha  T 
a'  ciallachadh  an  uair  a  thubhairt  e, 
iompaichear  sibh  agus  mur  bi  sibh  i.  -^ 
leanaban  cha  teid  sibh  a  steach  do  rioghachd 
neimh."  Ciod  an  t-atharrachadh  a  dh' 
fheumas  tighinn  air  daoine  (a  thainig  gu 
aois,  agus  ciod  na  ceumanna  anns  am  feum 
iad  a  chlann  a  leantuinn  m'  an  teid  iad  a 
steach  do  rioghachd  Dhe  1 

Tha  cu'id  de  dhaoine  a'  cumail  a  mach  gur 
e  an  rud  sonruichte  a  bha  aig  C'riosd  's  an 
t-sealladh,  irioslachd  na  cloinne  ;  agus  gu'm 
feum  daoine  atharrachadh  agus  fas  na's  irisle 
na  tha  iad  ma  bu  mhaith  leo  neamh  fhaicinn. 

Tha  an  irioslachd  maith  gun  teagamh  agus 
freagarrach  "  do  luchd-leanmhuin  Chriosd, 
ach  air  a  shon  sin,  tha  mi  an  diiil 
nach  e  so  a  bha  Criosd  a'  ciallachadh  leis  an 
fhacal  ud.  Tha  fichead  buaidh  bhoidheach 
agus  ghaolach  an  ceangal  ris  a'  chloinn,  ach 
cha  'n  urrainnear  a  radh  umpa  gu  bheil 
iad  iriosal.  Ma  gheibh  iad  an  cothrom 
gabhaidh  clann  na  caithrichean-toisich  gun 
naire  air  bith  orra  air  son  sin  a  dheanamh, 
agus  ma  gheibh  iad  duine  a  dh'  eisdeas  riu 
aguis  a  dh'  fhosglas  a  shuilean  gu  farsuing 
ag  eisdeachd  r'  an  seanchas  ni  iad  barrachd 
boilich  ann  an  uair  a  dh'  uine  na  dheanadh 
Calum  na  Croige  no  am  Baran  Munchausen 
ann  an  oidhche  gheamhraidh.  Cha'n'eil  a' 
chlann  iriosal  anns  an  t-seadh  anns  a  bheil 
sinne  a'  cleachdadh  an  fhacail,  anns  an  t- 
seadh  anns  an  robh  Darwin  no  Kelvin  iri- 
osal, agus  na'm  bitheadh  cha  b'  fheairrd  ach 
gu'm  bu  mhisd  iad  sin. 

Tha  aon  doigh  anns  a  bheil  dealachadh 
mor  eadar  clann  agus  daoine,  an  doigh  anns 
an  gabh  iad  ri  tabhartas  a  tha  air  a  thairgsinn 
daibh.  Ma  tha  thu  air  son  tabhartas  a 
thoirt  do  fhear  no  do  bhean  a  thainig  gu 
aois  feumaidh  tu  a  bhi  curamach  air  eagal 
o'un  \<^\v  tbn  oilbheum  dhaibh,  o'iv  tha  iad  deas 
gu  oilbheum  a  ghabhail  agus  dol  air  an  ©ach- 
mor  ma  shaoileas  iad  gu  bheil  am  prois  no 
an  uabhar  air  beantuinn  riu.  Mar  is  boch- 
da  daoine  is  ann  as  uabhraiche  iad.  Ach 
cha'n'eil  a  cblann  bheaga  mar  sin.  An 
uair  a  thairgeas  tu  tabhartas  dhaibhsan  fos- 
laidh  iad  an  suilean  le  moit  is  ionghnadh 
agus  sinidh  iad  a  mach  an  da  lamh  gus  a 
ghabhail  gu  sona  agus  gu  toileach.  Sin  mar  bu 
choir  do  dhaoine  tiodhlac  Dhe  a  ghabhail,  le 
gairdeachas  is  ionghnadh,  agus  le  an  da  laimh. 

Cha  'n  ann  le  ar  gliooas,  no  le  ar  luathas, 
no  le  ar  laidireachd  fein,  a  choisneas  sinn 
rioghachd  Dhe,  ach  le  sinn  fhein  a  chur  fo 
eisiomail  an  Ti  a  choisinn  i  dhuinn  le  fhu- 
langas  fein,  agus  a  tha  nis  'g  a  tairgsinn 
duinn   mar  shaor  thiodhlac. 


Air.    lO. 


1926. 


/ 


AN  DUINE  BEANNAICHTE. 


Is  heannaichte  an  dtdne  sin  nach  gluais  ann 
an  comhaMe  nan  aingidh. — Salm  i.  1. 

Cha'n'eil  an  t-salm  so  ach  goirid,  ach 
faodar  a  radh  uimpe  mar  a  thubhairt  fear  de 
na  h-aithrichean  mu  aon  de  litrichean  Phoil 
— "  ged  tha  i  goirid  tha  i  brioghmhor. " 
Tha  cuid  de  sgoilearan  am  beachd  gur  e 
Solamh  a  sgriobh  an  t-salm  so,  agus  gu'n  do 
sgriobh  e  i  los  a  cur  aig  toiseach  co-chruin- 
neachadh  de  bhardachd  athar  a  rinn  e,  Cha 
'n  urrainnear  a  radh  co  dhiu  a  tha  sin  fior 
no  nach  'eil,  ach  tha  an  t-salm  feagarrach  gu 
leoir  air  a  bhi  air  a  cur  air  thoiseach  air 
laoidhean  Dhaibhidh,  oir  tha  i  a'  teagasg 
ann  am  briathran  soilleir  an  fhirinn 
dhruidhteach  a  tha  na  laoidhean  sin  uile  a' 
teagasg,  gur  beannaichte  iadsan  air  a  bheil 
eagal  an  Tighearna  agus  gur  h-olc  a  dh' 
eireas  do'n   aingidh. 

Anns  na  ceud  rannan  tha  an  Salmadair  ag 
innseadh  ciod  iad  comharraidhean  an  fhirein  ; 
tha  e  ag  ainmeachadh  cuid  de  na  nithean  a 
sheachnas  an  duine  diadhaidh,  agus  'n  a 
dheidh  sin  tha  e  ag  ainmeachadh  cuid  de  na 
nithean  anns  an  gabh  e  tlachd. 

Gha  ghluais  e  ann  an  comhairle  nan  aingidh 
Cha  seas  e  ann  an  slighe  nam  peacach 
Cha  suidh  e  ann  an  caithir  luchd  fanoid 

A  reir  teagasg  an  t-Seann  Tiomnaidh  tha  an 
duine  aingidh  co-ionnan  ris  an  amadan,  oir 
is  e  eagal  Dhe  tus  a'  ghliocais.  Cha  'n  iarr 
an  duine  glic  comhairle  air  amadan  oir  tha 
fhios  aige  nach  'eil  ann  ach  an  dall. 
larraidh  an  duine  glic  comhairle  air  daoine 
glic,  agus  bheir  e  geill  do  'n  fhacal,  "  ma 
thalaidheas  peacaich  thu  na  aontaich  leo. " 
Cha  mho  a  sheasas  an  duine  glic  ann  an 
slighe  nam  peacach ;  seachnaidh  e  eadhon 
coslas  an  \iilc  cho  mhaith  ris  an  olc  fhein. 
Taghaidh  e  a  chompanaich.  Is  toigh  leis 
conaltradh  a  dheanamh  riusan  a  tha  gabhail 
tlachd  ann  an  Dia,  agus  ann  an  aobhar  an 
Tighearna  air  thalamh,  agus  cha  bhi  iar- 
raidh  aige  air  seanchas  nan  daoine  sin  nach 
labhair  ach  air  nithean  faoine.  Cha  suidh 
e  ann  an  cathair  luchd-fanoid.  Na  'n  dean- 
adh  e  sin  cha  bhiodh  e  an  dara  cuid  glic  no 
diadhaidh,  oir  tha  spiorad  a'  mhagaidh  agus 
spiorad  na  diadhaidheachd  calg-dhireach 
an  aghaidh  a  cheile.  An  uair  a  thoisicheas 
duine  air  fanoid  a  dheanamh,  fanoid  air  an 
eaglais,  no  air  an  t-soisgeul,  no  air  a' 
Bhiobull,     no  air     luchd-aideachaidh,     tha 


e  ann  an  droch  staid.  Tha  e  air  tuit- 
eam  cho  losal  's  is  urrainn  e  tuiteam,  agus 
ann  an  cunnart  a'  bhais  gu  spioradail.  Air 
oho  fada  agus  gu'n  teid  duine  air  seacharan, 
air  cho  domhain  agus  gu'n  tuit  e  ann  am 
peacadh,  cha  ruigear  a  leas  dochas  a  chall 
uime  ma  tha  fhathast  urram  do  Dhia  agus  do 
dhiadhaidheachd  be^  'n  a  chridhe.  Ach  ma 
bhasaicheas  sin  'n  a  chridhe  tha  e  ullamh. 
Cha  rnigear  a  leas  a  bhi  bruidhinn  ris  oir 
cha  ghabh  e  comhairle.  Esan  a  bheir  ach- 
mhasan  do  fhear-fochaid,  gheibh  e  dha  fein 
masladh.  Tha  fear  na  fochaid  'n  a  dhuine 
dona  daonnan,  'n  a  dhuine  aig  a  bheil  inn- 
tinn  bheag,  is  cridhe  cruaidh,  is  anam  gun 
deo  soluis  ann.  Tha  e  coltach  ris  an  dall ;  ged 
a  tha  an  cruthachadh  Ian  maise  agus  gloire 
cha'n  fhaic  a  shuilean-san  sin.  Cha'n'eil  ur- 
ram aige  do  Dhia  no  do  dhaoine,  agus  tha  e 
coma  ged  a  ghoirticheadh  e  le  a  bhriathran 
magail  cridheachan  dhaoine  as  fh^arr  na  e 
f6in.  Tha  fear  na  fochaid  fada  fada  bho 
rioghachd  Dhe,  oir  tha  spiorad  air  a  ghiulan 
a  tha  calg-dhireaoh  an  aghaidh  spioraid 
Chriosd. 

Anns  an  dara  rann  tha  an  Salmadair  a' 
toirt  dhuinn  da  chomharradh  leis  am 
faodar  an   duine  diadhaidh  aithneachadh. 

Tha  tlachd  aig  ann  am  Facal  an  Tighearn. 
Tha  e  daonnan  a'  heachd-sm,uaineachadh  air. 

Ann  an  suilean  nan  creidmheach  tha  am 
Biobull  na's  priseile  na  leabhar  air  bith  eile 
a  chaidh  riamh  a  sgriobhadh.  Tha  e  dhaibh 
'n  a  aran  na  beatha;  tha  e  dhaibh  'n  a  lorg 
agus  'n  a  sholus;  tha  e  dhaibh  'n  a  chlaidh- 
eamh.  Le  sailm  an  leabhair  so  molaidh  iad 
Dia  ann  an  laithean  an  sonais ;  le  geall- 
aidhean  an  leabhair  so  neartaichidh  iad  an 
cridheachan  ann  an  la  na  trioblaid ;  le 
claidheamh  an  leabhair  so  ouiridh  iad  ruaig 
air  an  namhaid  ann  an  la  a'  bhuairidh.  Tha 
e  'n  a  thobar  slainte  as  am  bi  iad  daonnan 
a'  tarruing  uisge  le  h-aoibhneas.  Tha 
saoibhreas  do-rannsaichte  ann  am  Facal  an 
Tighearna ;  an  duine  as  fhaide  a  tha  'g  a 
rannsachadh  gheibh  e  seudan  iira  ann.  Tha 
buaidh  aige  air  inntinnean  dhaoine  nach 
'eil  aig  leabhar  eile  air  an  t-saoghal,  agus 
mar  is  motha  tlachd  dhaoine  ann  is  ann  as 
motha  a  gheibh  iad  ann.  An  uair  a  chrioch- 
naich  an  t-Urramach  Tearlach  Spurgeon 
nach  maireann  am  fear  mu  dheireadh  de  na 
seachd  leabhraichean  mora  a  sgriobh  e  mu 
na  Sailm,  thubhairt  e,  "  Tha  mulad  orm  a 
bhi  fagail  Sailm    Dhaibhidh,    oir    cha'n'eil 


38 


air  thalamh  tigh-stoir  eile  as  beairtiche  na 
iad.  Bu  shona  da-rireadh  na  laithean  a 
chuir  mi  seachd  a'  beachd-smuaineaehadh 
orra,  a'  creidsinn  agus  a'  moladh  agus  a' 
deanamh  gairdeachais  maille  ri  Daibhidh. 
Air  uairean  an  uair  a  bhithinn  a'  rannsach- 
adh  nan  salm,  agus  a'  feuchainn  ri  thuig- 
sinn  ciod  a  bha  am  facal  ud  no  am  facal  ud 
eile  a'  ciallachadh,  bhithinn  a'  stad  greis 
bheag  an  drasd  's  a  rithist  gus  leigeil  le  mo 
spiorad  fein  eirigh  suas  gu  Dia  maille  ri 
spiorad  Dhaibhidh,  agus  cha'n'eil  fiughair 
agam  gu'n  cuir  mi  seachad  laithean  eile  cho 
sona  air  na  taobh  so  de'n  uaigh." 

Anns  an  treas  rann  tha  an  Salmadair  a' 
teagasg  gu  bheil  beannachd  Dhe  a'  leantuinn 
nan  daoine  a  sheachnas  ole  agus  a  ghradh- 
aicheas  a  lagh.  Bidh  iad  mar  chraoibh 
suidhichte  ri  taobh  sruthan  uisge  a  bheir  a 
mach  a  toradh  'n  a  h-ainisir  agus  nach  caill 
a  duill6a,ch.  Cha  'n  e  mhain  gu  bheil  am 
firean  a'  giulan  toradh  na  fireantachd  ach 
tha  a,  bheatha  sgeadaichdte  le  maise  na  diadh- 
aidheachd.  Cha  laigh  aois  air;  tha  'oige 
air  a  h-ath-nuadhachadh ;  fanaidh  a  dhuill- 
each  gorm  is  bidh  fas  agus  cinneas  air  gus 
a'  chrioch. 

Bidh  piseach  air  an   fhirean  choir 

Mar   phailm-chrann  virar  glas, 

Mar  sheudar   ard  air  Lebanon 

A'   fas  gu    direach  bras. 

An   dream  tha  air    an  suidheachadh 

An  tigh  s'an  aros  Dhe, 

An   ciiirtibh  greadhnach  ard  ar   Dia 

>Sior   fhasaidh   iad  gach    rk 

'S  an  am  's  am  bi  iad  aosmhor  liath 

Bheir  iad  mor  mheas  a  mach 

Is  bithidh  sidtmhor  le  deagh  bhlath 

Dhiubh  sud  gach  uile  neach. 

Tha  an  Seann  Tiomnadh  a'  cur  barrachd 
cudthroim  air  a  cheangal  a  tha  eadar  firean- 
tachd agus  soirbheachadh  saoghalta  na  tha 
an  Tiomnadh  Nuadh  a'  deanamh,  ach  eadhon 
anns  an  Tiomnadh  Nuadk  tha  e  air  a  radh 
gu  bheil  an  diadhaidheachd  tarbhach  a  chum 
nan  uile  nithean,  agus  gu  bheil  gealladh  na 
beatha  ata  lathair  aice  cho  cinnteach  ri 
gealladh  na  beatha  ata  ri  teachd.  Cha  'n 
eirich  olc  do  shluaigh  an  Tighearna  oir 
dionaidh  a  chumhachd-san  iad  agus  leanaidh 
a  mhaitheas  iad.  Faodaidh  iad  a  bhi  cinn- 
teach daonnan  gu  bheil  gliocas  agus  gradh 
Dhe  a'  comh-oibreachadh  maille  r'a  cheile 
air  an  son.  An  uair  a  tha  duine  a  gluasad 
a  reir  aitheantan  Dhe,  agus  a'  deanamh  a 
thoile,  agus  ag  earbsadh  as  le  uile  chridhe, 
faodaidh  e  inntinn  shocrach  a  bhi  aige,  oir 
tha  uile  chumhachdan  an  t-saoghail  ag  oib- 
reachadh  air  a  thaobh.  Tha  na  reultan  o'n 
•sligheannaibh  arda  a'  cogadh  as  a  leth. 


Ceart  mar  a  ta  na  beanntan  ard 
Timchioll    lerusalem, 
Tha  Dia  mar  sin  a  nis  gu  sior 
Timchioll  a  phobuill  fein. 

Faodaidh  am  firean  geallaidhean  a'  Bhio- 
buill  a  thagar  agus  conihfhurtachd  fhaotainn 
uapa,  ach  cha  'n  urrainn  an  t-aingidh  sin 
a  dheanamh  oir  tha  e  'ga  chur  fein  an  taobh 
a  mach  de  na  geallaidhean  sin.  Tha  fios 
cinnteach  aig  an  fhirean  nach  treig  Dia  e  ; 
tha  fhios  aige  gu  bheil  Fear-cuideachaidh 
air  a  laimh  dheis.  Ach  cha  'n  ann  mar  sin 
do'n  aingidh.  Tha  an  Salmadair  a'  coimeas 
an  aingidh  ri  moll ;  ni  gun  siigh,  gun  bheatha, 
gun  chinneas,  gun  mhaise.  Sgapar  e 
leis  gach  gaoth  a  sheideas  agus  theid 
e  as  an  t-sealladh.  Air  chuimhne  gu 
brath  bidh  am  fireaai  ach  sgriosiar  ah  t-ain- 
gidh. Tha  a  dhuais  agus  a  thoradh  a'  lean^ 
tuinn  a'  pheacaidh  cho  cinnteach  's  a  tha  a' 
ghrian  anns  na  neamhan.  Faodaidh  droch 
dhaoine  agus  luch-fanoid  soirbheachadh  car 
greis,  agus  faodaidh  faighdinn  an  Tighearna 
giulan  leo  cho  fada  's  gu'n  abair  iad  'n  an 
cridhe  mar  a  thubhairt  muinntir  lerusalem 
ann  an  laithean  Shephaniah,  nach  dean  an 
Tighearna  maith  agvis  nach  mb  a  ni  e  olc,  is 
e  sin  r'a  radh,  nach  dean  e  dad  idir.  Ach  tha 
gnuis  Dhe  an  aghaidh  aingidheachd,  agus  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  tha  am  facal  so  'ga 
fhireanachadh  fhein  ann  am  fiosrachadh  a' 
chinneadh-daonna,  cha  'n'eil  sith  do'n  ain- 
gidh. 

Cha  'n  abair  Facal  an  Tighearna  duine 
beannaichte  ach  a  mhain  ris  an  dviine  sin  a 
ghradhaicheas  fireantachd  agus  a  dh'  fhuath- 
aicheas  peacadh.  Bidh  an  duine  sin  mar 
chraoibh  suidhichte  laimh  ri  sruthaibh  uisge, 
a  bheir  a  mach  a  toradh  'n  a  h-aimsir,  agus 
nach  caill  a  duille  :  agus  soirbhichidh  leis 
gach  ni  a  ni  e.  Agus  an  uair  a  thig  am  bas 
air,  cha  'n  ann  mar  chrionaich  a  tha  air  a 
gearradh  sios  a  tha  e ;  tha  e  mar  chraoibh 
oig  a  tha  air  a  h-atharrachadh  o  aon  aite  gu 
aite  eile — air  a  h-atharradhadh  gu  garradh 
maiseach  Dhe  far  am  faigh  i  fasgadh  is 
blaths,  agus  far  an  giiilain  i  a  toradh  ga 
siorruidh  ri  taobh  abhainn  na  beatha  a  iha 
sruthadh  o  chaithir   Dhe  agus   an  Uain. 


lONGANTAS  IS  AORADH. 

Tha  cuid  de  briathran  Chriosd  nach  robh 
riamh  air  an  cur  sios  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  air  an  gleidheadh  air  chuimhne  ann 
an  beul-aithris  na  h-eaglais.  Faodaidh  e 
bhith  nach  do  labhair  e  idir  cuid  de  na  briath- 
ran sin  a  tha  air  an  ainmeachadh  air,  ach 
tha  feadhainn  dhiubh  air  a  bheil  fior  dhreach 
na  firinn.  Bho  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan    dh'    amais  sgoilear   a  bha   ruamhar 


39 


air    son    seann    treathlaich    air    paipear    air 
an  robh  na   facail  so  air  an  sgriobhadh; 

"  Na  sguir&adh  esan  a  shireas  gus  am 
faigh  e ;  an  uair  a  gheibh  e  hidh  ionga/i- 
tas  air,  ach  ai?-  dha  iongantas  a  ghahh- 
ail  ruigidh  e  an  Rioghachd,  agus  an  uatr 
a  ruigeas  e  a?i  Rioghachd ,  gheibh  e  fois.'' 

Ma  labhair  Criosd  na  briathran  so  tha  e 
coltach  gur  e  an  smuain  a  bha  'n  a  inntinn 
aig  an  am  gur  e  Iongantas  an  iuchair  a  dh' 
fhosgias  dorsan  na  Rioghachd  do  dhaoine, 
dorsan  na  Rioghachd  sin  anns  a'  bheil  gloir 
Dhe  ri  fhaicinn.  xin  uair  a  bhasaicheas 
Iongantas  ann  an  cridlie  mhic  an  duine  tha 
e  a'  fas  dall  air  chor  agus  nach  leir  dha  a 
mhaise  agus  a  ghloir  a  tha  timcliioll  air. 
Theaganih  gu  robh  a'  cheart  suauain  so  ann 
an  inntinn  Chriosd  an  uair  a  thubhairt  e 
niu  na  leanaban,  Is  ann  d'  an  leithidibh  sin 
a  tha  rioghachd  nfeimh.  Do'n  ohk)inn  bhig 
tha  an  saoghal  mar  gu'm  biodh  teampull  a 
tha.  Ian  de  iongantasan,  oir  tha  suil  agus 
cluas  a'  bhaird  aca,  is  cridhe  nan  ainglean. 
Chi  iad  fichead  sealladh  maiseach  a  tha 
foluichte  0  shuilean  dhaoine  glic  ague  eag- 
naidh ;  cha  chuireadh  e  ionghnadh  air  bith 
orra  ged  thachradh  Dia  fein  orra,  oir  tha 
iad  ann  an  garradh  Eden  fhathast,  agus  tha 
iad  a'  creidsinn  gu  bheil  Dia  ag  imeachd 
anns  a'  gharradh  ann  am  fionnarachd  an  la. 
Do  shuilean  na  cloinne  tha  muir  agus  tir 
agus  na  speuran  a'  lasadh  le  solus  nfeamhaidh ; 
chi  an  siiilean  maise  agus  miorbhuilean  anns 
a'  chruthachadh  nach  fhaic  siiilean  an  aith- 
richean.  Ann  an  liibadh  nan  geug\  chi  iad 
na  craobhan  a'  bualadh  ani'  bas,  agus  ann 
am  fuaim  na  gaoithe  is  ann  an  torman  nan 
allt  cluinnidh  iad  osnaichean  bho  spioradan 
beo.  Tha  druchd  na  maidne  air  gach  ni 
mu'n  ouairt  orra;  bheir  mac-meamna  an 
inntinn  fein  air  an  dithi-eabh  fas  ait  agus 
tig'hinn  fo  bhlath  mar  an  ros.  Cha  'n  e 
mhain  gu  bheil  iad  dliith  do  rioghachd  Dhe 
ach  tha  iad  'na  teis-meadhoin.  Tha  an 
saoghal  dhaibh  mar  liichairt  aillidh  anns  a 
bheil  deich  mile  seoipar  a  tha  Ian  de  sholasan. 
Cha  'n  fhas  iad  sgith  de  na  h-iongantasan 
lira  a  chi  iad  gach  latha,  agus  is  leo  fein  na 
chi  iad.  Cha'n'eil  iad  a'  faireachduinn  gur 
coigrich  iad  anns  an  liichairt,  no  nach  buin 
an  saoibhreas  agus  an  greadhnachas  a  chun- 
naic  iad  dhaibh,  oir  cha'n'eil  teagamh  aca 
nach  ann  le  an  Athair  a  tha  an  liichairt,  agus 
do  bhrigh  gur  h-ann,  is  ann  leo-san  i  mar  an 
ceudna. 

An  uair  a  chailleas  duine  cridhe  a'  phaisde 
tha  e  a'  call  comharradh  na  h-6ige,  agus 
theagamh  spiorad  an  aoraidh  cuideachd. 
Fasaidh  a  chridhe  cruaidh  agus  preasach  cho 
mhaith  ri  aodann,  agus  cha  bhi  fradharc  no 


claisteaohd  aige  do  na  seallaidhean  no  do 
na  guthan  a  bu  choir  Iongantas  a  dhiisgadh 
'n  a  chridhe.  Ciod  air  bith  a  dhiiisgeas 
Ionghnadh  ann  an  cridhe  duine  is  meadhon- 
grais  dha  e.  Tha  taisbeanadh  Dhe  na's  far- 
suinge  na  'm  Biobull.  Tha  Dia  a'  labhairt 
ruinn  ann  an  iomadh  doigh  a  thuilleadh  air 
na  labhair  e  ruinn  anns  a'  Bhiobull,  tre 
fhaidhean  agus  tre  abstoil.  Rainig  fuaim 
a  ghutha  duthchannan  fada  thall  nach  do 
rainig  an  Leabhar  Naomh.  Tha  e  a'  tais- 
beanadh a  naduir  agus  a  dhoighean  agus  a 
thoile  ann  an  iomadh  doigh  a  bharrachd  air 
an  taisbeanadh  a  thainig  troimh  Mhaois  no 
troimh  Phol, — duathaireachd  na  mara,  gloir 
nan  speur,  maise  nam  machraichean,  am  fliir 
as  lugha  a  tha  anns  k'  bheinn  as  maireann- 
aiohe, — tha  iad  uile  a'  cur  an  ceil!  gliocas 
is  maitheas  is  diomhaireachd  Dhe. 

An  uair  a  dh'  amhairc  an  Salmadair  air 
a'  ghealaich  agus  air  na  reultan  cha  'n  ann 
air  an  t-sid  a  bhiodh  alin  am  maireach  a 
sinuainich  e,  ach  air  cumhachd  agus  air 
gliocas  Dhe,  agus  ghlaodh  e  le  h-ionghnadh, 
— "  Ciod  e  an  duine  gu'n  amhairceadh  tu  air 
no  mac  an  duine  gu'm  fiosraicheadh  tu  e. 
Ged  is  aithne  do  dhaoine  an  diugh  barrachd 
mu  na  reultan  na  b'  aithne  do  Dhaibhidh 
tha  an  speur  cho  Ian  ionghnaidh  fhathast  do 
na  speuradairan  fhein  's  a  bha  i  do  Dhaibh- 
idh ;  tha  na  rionnagan  cho  iongantach  'n  ar 
siiilean  an  diugh  fhathast  's  a  bha  iad  an 
uair  a  dhealraich  iad  os  cionn  lacob  an  oidh- 
che  a  chaidil  e  air  an  raon  am  Betel.  Ann 
an  aon  seadh  tha  eolas  a'  fogradh  Ionghnaidh 
ach  ann  an  s6adh  eile  tha  e  'g  a  dhiiblachadh. 
An  uair  a  gheibh  cuid  de  dhaoine  sbruileach 
eolais  'n  an  cinn  tha  iad  deas  gu  bhi  saoilsinn 
gu  bheil  an  inntinnean  beaga  fhein  a'  tuig- 
sinn  diomhaireachd  a'  chruthachaidh  uile, 
ach  cha  'n  e  an  t-eolas  a  tha  toirt  orra  sin  a 
shaoilsinn  ach  an  t-aineolas  agus  an  ladarnas. 

Ma-  tha  an  t-eolas  air  an  do  rainig  mac  an 
duine  cheana  a'  tilgeadh  soluis  air  nithean 
a  bha  anabarrach  dorcha  dha  roimhe  so  tha 
an  t-eolas  sin  a'  nochdadh  dha  cuideachd  gu 
bheil  airde  is  doimhne  is  farsuingeachd  ann 
an  cruthachadh  Dhe  nach  do  shaoil  e.  Tha 
e  a'  fogradh  aon  seorsa  de  ionglinaidhean  gu 
bhi  toirt  ionghnaidhean  as  motha  's  an  t- 
sealladh.  Cha  'n  ann  o  dhaoine  aineolach 
ach  o  dhaoine  glic  agus  ionnsaichte  as  trice 
a  chluinnear  am  facal,  Cia  iongantach  agus 
do-rannmichte  f  oibrickean-sa,  a  Dhe  ! 

Thug  gloineachan  nan  speuradairean  a' 
ghealach  cho'  dliith  dhuinn  's  gur  aithne 
dhuinn  coslas  na  gealaich  an  diugh  fada  na's 
fhearr  na  b'  aithne  do  ar  n-aithrichean  cos- 
las  Astralia  no  coslas  na  h-Afric ;  agus  inn- 
sidh  luichd-ealadhain  dhuinn  cudthrom  na 
greine  agus  an  t-astar  &  tha  an  gi-ioglachan 


40 


bho  mhullach  Beinn  Nibheis.  Ach  ma  thug 
iad  bhuainn  an  t-ionghnadh  a  bhiodh  bodach 
na  gealaich  a'  cur  oirnn  mar  a  thug  daoine 
eile  bhuainn,  an  t-ionghnadh  a  bhiodh  na 
sithichean  a'  cur  oirnn,  thug  iad  dhuinn 
ionghnaidhean  iira  'n  an  aite  sin  agus  iongh- 
naidhean  as  motha. 

Co  dhiu  a  bheachdaioheas  sinn  air  meud 
is  farsuingeachd  a'  chruthachaiidh,  no  air  a' 
mhaise  leis  a  bheil  e  air  a  sgeadachadh,  no 
air  an  riaghailt  leis  a  bheil  gach  ni  ann  ag 
oibreachadh  agus  air  an  cumail  'n  an  aite, 
duisgidh  e  ionghnadh  'n  ar  cridheachan  air 
nach  urrainn  sin  cainnt  a  chur.  Tha  an 
cuan  farsuing,  agus  gabhaidh  na  soithichean 
a  sheolas  air  cunntas,  ach  an  drasd  's  a 
rithist  theid  ouid  dhiubh  sin  bharr  an  cursa, 
agus  buailidh  'na  cheile.  Ach  cha  dean  esan 
aig  a  bheil  ailm  a'  chruinne-ce  'n  a  asgail 
mearachd.  Tha  mile  agus  deich  mile  saoghal 
— cuid  dhiubh  mile  uair  na's  motha  na  'n 
saoghal  so- — a'  siubhal  gun  sgur  troimh 
fharsuingeachd  an  Domhain  mhoir,  le 
luiathas  nach  gabh  innseadh,  ach  tha  iad  uile 
air  an  cumail  'nan  aite  le  lamh  chumhachd- 
ach  an  Ti  a  dhealbh  iad,  agus  cha  teid  aon 
aoa  leud  na  roinneige  bharr  an  cursa  ann 
an  ceud  bliadhna.  Aig  aon  am  bha  daoine 
an  dull  gu'm  b'e  an  saoghal  so  teas-meadhoin 
a'  chruthachaidh,  agus  nach  robh  anns  na 
reultan  ach  eibhlean  soluis  a  bha  air  an 
crochadh  anns  na  speuran  chum  ceumanna 
luchd-turuis  a'  stiuradh  anris  an  oidhche. 
Ach  an  diugh  tha  fhios  againn  nach  'eil  an 
saoghal  so  anns  a'  chruthachadh  ach  mar 
gu'm  biodh  eilean  beag  Hiort  anns  an  Roinn- 
Eorpa,  cho  beag  agus  nach  gabh  e  comharr- 
achadh  am  measg  nan  reultan  eile  leo-san 
a  dh'  fhaodas  a  bhi  a'  comhnuidh  ann  an 
aon  de  na  saoghail  a  tha  snamh  mu'n  ghrein. 
Thug  Dia  taisbeanadh  air  a  ghloir  fein  do 
na  speuradairean  cho  cinnteach  's  a  thug  e 
taisbeanadh  do  'n  abstol  Eoin,  agus  tha  an 
teachdaireachd  a  chuir  e  thugainn  leis  na 
gloineachan-amhairc  aca-san  a  cheart  cho 
fior  ris  an  teachdaireachd  a  labhair  e  leis 
na  faidhean.  Tha  an  speur  a'  nochdadh 
gloir  Dhe,  ach  tha  an  speuradaireachd  a' 
nochdadh  cumhachd  inntinn  mhic  an   duine. 

Cha'n'eil  ceann  no  crioch  aig  a'  chruth- 
achadh. Ged  shiubhlamaid  air  sgiathaibh 
na  h-oidhche  gu  iomall  nan  speur  cha  tuga- 
maid  ach  aon  cheum  a  steach  do'n  fharsuing- 
eachd neo-chriochnach.  Chitheamaid  saogh- 
ail ura  a'  tighinn  's  an  t-sealladh,  ach  ged 
shiubhlamaid  le  luathas  an  dealanaich  fad 
miltean  linn  cha  ruigeamaid  crioch  a 
chruinne-ce,  agus  cha  'n  fhaiceamiaid  ach 
earlais  bheag  de  na  saoghail  do-aireamhaichte 
a  tha  siubhal  anns  an  fharsuingeachd  nach 
gabh  tomhas.  Na  'm  biodh  an  saoghal  so 
agus   na  tha  air  uachdar  air  air   a  thilgeil 


ann  an  oridhe  na  greine  cha  bhiodh  ann  ach 
duradan  beag  'na  teis-meadhoin,  ach  cha'n 
'eil  anns  a'  ghrein  fhein  ach  rionnag  bheag 
ann  an  ooimeas  ris  a'  ghrein  eile  air  a  bheil 
ar  grian-ne  a  dol  mu'n  cuairt. 

Cha'n'eil  e  comasach  do  dhuine  beachd- 
achadh  air  na  nithean  sin  gun  an  da  chuid, 
ionghnadh  agus  irioslachd  a  bhi  air  an  dusg- 
adh  'n  chridhe  an  lathair  an  Ti  a  chruthaich 
na  neamhan  agus  a  ta  riaghladh  air  neamh 
agus  air  thalamh.  Is  e  an  t-siorruidheachd, 
da-rireadh,  ionad-comhnuidh-san,  agus  is 
dligheach  do  mhac  an  duine  urram  a  thoirt 
dha,  oir  molaidh  na  neamhan  'iongantasan, 
agus  nochdaidh  an  cruthachadh  neart  a 
ghairdean. 

Bu  mhaith  leam  anns  an  aireamh  so  aon 
de  laoidhean  Dhughaill  Bochanan  a  ohur  sios, 
an  laoidh  anns  a  bheil  e  a'  cur  an  ceill 
Morachd  Dhe,  oir  tha  an  laoidh  sin  a'  cur  ann 
am  briathran  ard  is  dealasach  na  nithean  so 
air  a  bheil  mi  a'  seanchas.  A  thaobh  cumh- 
achd inntinn  agus  a  thaobh  cuimseachd 
bhriathran  cha'n'eil  gin  idir  de  na.  baird 
Ghaidhealach  a  thig  suas  ri  Dughall  Bo- 
chanan ach  a  mhain  Mac  Mhaighstir  Alas- 
dair,  agus  cha  tig  am  fear  sin  fein  suas  ris 
ach  an  drasd  's  a  rithist.  An  uair  a  bha 
Dughall  Bochanan  an  Duneideann  tha  e  air 
a  radh  gu'n  robh  seanchas  eadar  e  fhein  agus 
Daibhidh  Hume,  fear-eachdraidh  agus  feall- 
sanach  ainmeil  air  an  robhtar  a'  fagail  nach 
robh  e  a'  creidsinn  ann  an  Dia  no  anns  a' 
Bhiobull.  Anns  a'  bhruidhinn  a  bha  aca 
thubhairt  Hume  nach  b'  aithne  dha  ann  an 
litreachas  an  t-saoghail  sreathan  eile  a  bu 
mhaisiche  no  a  bu  oirdheirce  na  sreathan  son- 
ruichte  de  bhardachd  Bheurla  a  leugh  e. 
Thubhairt  Dughall  Bochanan  gui'n  robh  iad 
maith  gun  teagamh,  ach  gu'm  b'  aithne  dha 
briathran  a  bu  sholuimte  agus  a  b'  oirdheirce 
na  iad  sud,  agus  an  sin  leugh  e  ann  an 
eisdeachd  Hume  na  briathran  so  a  Leabhar 
an  Taisbeanaidh, — 

Agus  chuunaic  mi  rlgh-chaithir  mhdr  gheal, 
agus  an  Ti  a  shuidh  oirre,  neaeh  d'an 
do  theich  neamh  agus  talamh  o  a  ghnuis , 
agus  cha  d'  fhuaradh  aite  dhaihh.  Agus 
chunnaic  mi  na  mairhh  beag  agus  Tndr, 
'nan  seasamh  am  fianuis  Dhe ;  agns  dh' 
fhosgladh  na  Jeahhraichean  :  agus  dh' 
fhosgladh  leahhar  eile,  eadhon  leabhar 
na  beatha  \  agus  thugadh  bretli  air  na 
mairbh  as  na  nithibh  sin  a  bha 
sgriobhta  anns  na  leabhraichibh,  a  reir 
an  gniomhara. 

(Tha  mi  duilich  nach  'eil  rum  againn  anns 
an  aireamh  so  air  son  na  laoidhe  aig  Dughall 
Bochanan,  ach  tha  mi  an  dochas  gu'm  faigh- 
ear  cothrom  eile  gu  goirid  air  a  toirt  am 
follais.) 


Air.    11. 


1926. 


TEAGASG   NA  CLOINNE. 

Anns  an  litir  a  bha  air  a  cur  a  dh'  ionn- 
suidh  a  h-nile  niinistear  anns  an  eaglais  le 
ceann-suidhe  an  Ard-Sheanaidh  againn 
fhein  agus  ceann-suidhe  an  t-Seanaidh  aig  an 
eaglais  Shaoir  Aonaichte  gu  bhi  air  a 
leughadh  air  an  deicheamh  la  de  October 
do  choimthionailean  na  duthcha  bha  ear  ail 
sholuimte  air  a  thoirt  do  pharantan  mu'n 
dleasdanas  so. 

Cha'n'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil  moran 
pharantan  an  diugh  dearmadach  air  an 
clann  a  theagasg  mar  bu  choir  daibh.  Tha 
iad  a.'  dol  air  cheann  teaglaich  gun  smuain 
air  bith  aca  ciod  a  tha  sin  a'  ciallachadh. 
Ged  a  theirear  cinn-theaghlaichean  riu 
theirear  riu  e  leis  an  t-siobhaltachd  agus  cha 
'n  ann  a  chionn  gu  bheil  iad  a'  riaghladh 
an  dachaidhean. 

Mur  bheil  Dia  air  aideachadh  am  measg 
teaghlaich  cha  bhi  anns  an  tigh  sin  ach  tigh 
truagh,  agus  tha  ni-eigin  air  a  thoirt  bho 
'n  chloinn  a  bhuineas  dhaibh  mar  an  coir- 
bhreith.  Ciod  a  theireadh  tu  ri  athair  no, 
mathair  nach  fhacas  riamh  ag  urnuigh  'n 
an  dachaidh  fein,  no  nach  fhacas  riamh  a' 
leughadh  a'  Bhiobuill,  no  nach  cualas  riamh 
a'  beannachadh  ainm  an  Tighearna  ?  Ciod 
a  b'  urrainn  duit  a  radh  ach  so,  mo  thrii- 
aighe  na  pcirantan  agus  inu  thruaighe  air 
fad  an  clann. 

Is  aithne  dhomh  duin©  aig  a  bheil  coguis 
cho  maoth  's  gu'n  do  sheachain  e  staid  a' 
phosaidh  air  eagal  gu'm  biodh  e  'n  a 
mheadhon  air  anam  a-  thoirt  a  steach  do'n 
t-saoghal  a  dh'  fhaodadh  dol  do  ifreann.  Bu 
rahaith  an  gnothuch  na'n  robh  an  seorsa  sin 
na'  bu  lionmhoire.  Ach  cha'n'eil  iad  lion- 
mhor ;  gabhaidh  a'  mhor-chuideachd  soch- 
airean  agus  comhfhurtachdan  a'  phosaidh 
ged  nach  toir  iad  gnuis  do  na  dleasdanasan 
agusi  do  na  duileadasan  a  tha  ceangailte  ris. 

Ann  am  moran  theaghlaichean  an  diugh 
tha  a'  chlann  a'  fas  suas  mar  a  thoilicheas 
iad,  gun  smachd,  gun  mhodh,  gun  eagal  Dhe 
no  dhaoine  orra.  Theagamh  gu'n  cuir  an 
aithrichean  coire  gach  tubaist  agus  gach  uilc 
a  thachras  anns  an  diithaich  air  Lloyd 
George  no  air  na  Bolshevics,  ach  ma  theid  an 
diithaich  so  sios  gu  brath  is  ann  aig  an  leith- 
idean  fein  a  bhios  a  choire ;  aig  parantan 
nach  do  thog  an  teaghlaichean  gu  ceart. 
Coma  learn  daoine  a  bhios  a  slor  throd 
mu  riaghladh  na  duthcha  agus  nach  'eil  a' 
riaghladh  an  teaghlaichean  fein  no  a' 
smachdachadh    an    cloinne,        Na    'n    riaoh- 


ladh  iadsan  an  rioghachd  bheag  fein  mur  bu 
choir  daibh,  agus  na'n  togadh  iad  an  clann 
ann  an  oilean  an  Tighearna  dh'  fhaodadh 
iad  riaghladh  na  rioghachd  mhor  fhagail  aig 
Maighstir  Stanley  Baldwin.  '  Ma  tha  cuisean 
ceart  'n  ar  teaghlaichean  bidh  cuisean  ceart 
'n  ar  rioghachd. 

Aig  baisteadh  an  cloinne  tha  a'  cheist  so 
air  a  cur  air  parantan,  "  A  bheil  sibh  a' 
gealltainn  an  lathair  Dhe  agus  an  lathair  na 
h-eaglais  gu'n  teagaisg  sibh  'ur  clann  ann  an 
eolas  an  t-soisgeil  agus  gu'n  tog  sibh  iad  ann 
an  oilean  agus  ann  an  teagasg  an  Tighear- 
na?" 

Ma  thug  sibhse  a  leughas  an  duilleag  so 
seachad  an  gealladh  sin  an  lathair  Dhe  agus 
dhaoine,  agus  nach  do  choimhlion  sibh  e 
riamh,  cuimhnichibh  gu  bheil  cionta  eagal- 
lach  a'  laighe  oirbh.  Chaidh  sibh  ann  an  cois 
'ur  geallaidh  do  Dhia  agus  cha  do  choimhlion 
sibh  ar  boidean  ann  an  Sacramaid  Naomh. 
AgUiS  a  thuilleadh  air  sin  thug-  sibh  ana- 
ceartas  do  'ur  cloinn. 

Tha  e  maith  gu'n  cuireadh  parantan  an 
clann  do'n  sgoil-Shabaid,  ach  cha'n'eil  anns 
an  sgoil-Shabaid  no  anns  an  sgoil-sheachduin 
ach  luchd-cuideachaidh  ann  an  oileanach- 
adh  na  cloinne.  Cha  'n  fhaod  parantan  an 
dleasdanas  so  fhagail  aig  na  sgoilean,  agus 
a  radh  na  firinn,  is  beag  as  urrainn  na 
sgoilean  a  dheanamh  air  son  na  h-6igridh 
mur  bheil  na  parantan  iad  fein  a'  comh-oib- 
reachadh  maille  riu.  Tha  e  a  cheart  cho 
peacach  do  athair  air  bith  leigeil  le  chloinn 
fas  suas  gun  smachd  no  gun  eolas  a  bhi  aca 
air  a'  Bhiobull,  no  gun  urnuigh  a  theagasg 
daibh,  's  a  bhiodh  e  peacach  dha  an  cumail 
gun  aodach  no  gun  bhiadh. 

Ach  is  bochd  cor  nam  parantan  sin  air  an 
fheumar  teagasg  na  cloinne  a  sparradh  mar 
dhleasdanas  oir  bu  choir  e  bhi  dhaibh  'n  a 
shochair  agus  n'  a  shonas  an  clann  a  chruinn- 
eachadh  timchioll  orra  ann  an  aoradh-teagh- 
laich.  Ann  an  iomadh  dachaidh  anns  na 
laithean  so,  an  uair  a  tha  na  cosnaichean  a' 
dol  a  mach  trath  agus  a'  tighinn  dhachaidh 
anmoch,  theagamh  nach  bi  e  freagarrach 
aoradh-teaghlaich  a  bhi  aca  a  h-uile  ma- 
duinn  agus  feasgar,  ach  tha  amannan  de'n 
t-seachdviin  a  tha  daonnan  freagarrach  agus 
gu  sonruichte  la  na  Sabaid.  Ged  nach 
biodh  aoradh  aca  comhla  ach  air  feasgar  na 
Sabaid  bhiodh  sin  fhei'n  'n  a  mheadhon  air 
druidheadh  a  dheanamh  air  inntinnean  oga, 
agus  air  cridheachan  pharantan  agus  an 
cloinne  aonadh  r'a  cheile  ann  an  eagal  an 
Tighearna. 


42 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Anns  na  laithean  so  tha  barrachd  iiigh  aig 
daoine  ann  am  bocsairean  na  tha  aca  anns 
na  Naoimh.  Eadhon  anns  na  paipearan 
naigheachd  a  bhios  muinntir  Chille-Sgumain 
a'  leughadh  bha  iomiadh  air  a  dheanamh  mu 
thapaid  uamhasach  a  bha  eadar  da  bhocsair 
mhor  ann  an  America  ach  cha  robh  aon 
fhacal  annta  mu'n  Naomli  Francis,  ged  is  e 
so  (an  treas  la  de  October)  co-ainm  la  a  bhais. 
Tha  an  duine  gaolach  so  a  nis  marbh  seachd 
oeud  bliadhna  ach  ged  tha  e  marbh  an  uine 
sin  tha  e  fathast  a'  labhairt. 

A  mach  bho  thriiiir  no  cheathrar  de  na  h- 
abs.toil  charobh  deisciobul  riamh  aig  Criosd 
air  thalamh  as  ainmeile  agus  as  ion-ghradh- 
aichte  na  'n  duine  so,  no  deisciobul  eile  a 
rinn  an  diadhaidheachd  cho  maiseach  ann 
an  suilean  dhaoine.  Cha  b'ann  le  neart  no 
cumhachd  a  bhuadhan  a  rinn  e  sin  ach  le 
spiorad  an  Tighearna  a  bha  'n  a  chridhe. 

Ann  an  tiis  a  laithean  bha  e  gu  maith  go- 
rach  agus  neo-chiiramach  niu  nithean  spiora- 
dail,  ach  leag  an  Tighearna  a  lamh  air  mar 
a  leag  e  a  lamh  air  Pol  air  an  t-slighe  gu 
Damascus.  Dh'  fhoillsich  e  dha  gu  robh 
obair  shonruichte  a'  feitheamh  air;  gu  robh 
e  air  a  ghairm  gus  lomhaigh  Chriosd  a 
nochdadh  as  iir  do  shaoghal  a  bha  air  lomh- 
aigh Chriosd  a  dhlchuimhneachadh. 

La  a  bha  e  anns  an  eaglais  aig  seirbhis 
na,  h-aifrinne  chual  e  an  sagairt  a'  leughadh 
nam  briathran  so  ann  an  soisgeul  Mhata. 
TVa  solairihh  or,  no  airgiod,  710  umha,  ann 
hhur  sporanaihh;  no  mala  chuin  hhur  turuis. 
no  da  chota,  no  hrogan,  no  hataichean.  Mar 
gu'n  tigeadh  gath  soluis  bho  neamh  thuige 
thainig  an  smuain  ann  an  cridhe  Francis 
gu'm  b'e  toil  Dhe  d'a  thaobh-san  aithne  an 
Tighearna  losa  a  choimhead  gu  litireil,  agus 
dol  a  mach  a  ghairm  dhaoine  gu  fireantachd, 
gvm  or,  gun  airgiod,  gun  bhrogan.  Agus 
bho  'n  mhionaid  sin  anns  an  d'  fhoillsich 
Dia  a  thoil  da  cha  robh  ach  aon  smuain  agus 
aon  durachd  agus  aon  run  'n  a  chridhe,  gu'm 
biodh  ©  coltach  ri  Criosd  ann  am  bochdainn 
a  dhaonnachd,  agus  gu'n  nochdadh  e  do'n 
t-saoghal  'n  a  chaitheamh-beatha  fein  gur  e 
macantas  agus  gradh  agus  irioslachd  na 
nithean  as  maisiche  agus  as  cumhachdaiche 
anns  an  diadhaidheachd. 

Leig  e  bhuaithe  a  h-uile  sgillinn  de  'n 
mhaoin  shaoghalta  a  bha  aige,  agus  rogh- 
naich  e  a  bhi  gun  dachaidh,  gun  mhnaoi, 
gun  chloinn,  a  chionn  nach  robh  sin  aig 
losa.  Roghnaich  e  fuachd  is  acras  is  magadh 
fhulang  a  chionn  gu'n  d'  fhuiling  an 
Slanuighear  iad  ann  am  bochdainn  a 
dhaonnachd.  Air  son  a  bhidh  bha  e  an  urra 
vis  na  bheireadh  daoine  dha.     Bhiodh  e  ag 


radh  uime  fein  agus  m'a  chompanaich, 
Eadar  sinne  agus  aii  saoghal  rinn  Dia  an 
cuinhnant  so,  gii^'n  tugamaid  sinne  deagh 
eisiomplair  do'n  t-saoghal  agus  gu'n  tugadh 
an  saoghal  dhuinne  na  dh'  fhdghnas  dhui7in 
air  son  ar  feivma. 

Tha  ni-eigin  ann  an  cridhe  mhic  an  duine 
a  chomh-fhreagras  do  theachdaireachd  an 
Tighearna  daonnan,  agus  ann  am  beagan 
uine  chruinnich  moran  de  dhaoine  osa  gu 
Francis  mar  a  chruinnich  daoine  gu  Prionns 
Tearlach,  agus  iad  uile  air  son  a  theagasg  a 
leautuinii.  Bhiodh  esan  ag  innseadh  dhaibh 
an  comhnuidh  nach  robh  teagasg  iir  aige-san 
idir,  nach  robh  aige  ach  an  seann  soisg&ul 
a  thug  Criosd  do'n  t-saoghal  da  cheud  deug 
bliadhna  roimh  sud, — gur  e  daoine  naomh, 
agus  daoine  ciuin,  agus  daoine  macanta,  agus 
daoine  aig  nach  robh  eagal  i-oimh  bhochdainn, 
a  shealbhaicheadh  rioghachd  Dhe ;  daoine  aig 
an  robh  de  mhisnich  na  leanadh  Criosd  gu 
litireil  agus  anns  gach  ceum  de'n  bheatha 
mhaiseach  agus  naomh  a  nochd  e  do'n  t- 
saoghal. 

Chuir  e  ionghnadh  nach  bu  bheag  air 
muinntir  an  t-saoghail  a  bhi  faicinn  dhaoine 
de  gach  seorsa,  uachdarain  agus  daoine 
saoibhir,  uaislean  agus  daoine  ionnsaichte, 
a'  tilgeadh  bhuapa  an  inbhe  agus  an  gloir 
shaoghalta  agus  am  maoin  shaoghalta,  agus 
a'  dol  a  mach  comhla  ri  Francis,  a'  sear- 
monachadh  agus  a'  molaclh  an  Tighearna,  a' 
cuideachadh  dhaoine  bochda  air  na  h-ach- 
aidhean  buana  anns  an  la  agus  ag  urnuigh 
comhla  riu  anns  an  fheasgar,  a'  cadal  an 
aite  air  bith  am  faigheadh  iad  fasgadh  agus 
ag  itheadh  biadh  tioram  air  bith  a  bheirt- 
eadh  dhaibh.  Chuir  so  ionghnadh  air 
muinntir  an  t-saoghail,  ach  uigh  ar  n-uigh 
chunnaic  iad  gur  e  so  an  t-eiseimpleir  a  thug 
an  Slanuighear  do  dhaoine,  agus  nach  'eil 
doigh  eile  air  a'  Bhaile  Naomh  a  ruighinn 
mur  gabh  daoine  an  rathad  a  ghabh  esan. 

A  mach  bho  chridhe  Mhic  Dhe  cha  robh 
cridhe  riainh  anns  an  robh  uiread  graidh  d'a 
cho-chreutairean  's  a  bha  ann  an  cridhe  an 
duine  chaoimh  so.  La  a  bha  e  fhein  agu'^ 
braithrean  eile  ann  an  spideal  a  bha  aca  ^iv 
sliabh  thubhairt  fear  de  na  braithrean, 
"  Thainig  triuir  de  luchd-reubainn  a  dh' 
ionnsuidh  an  doruis  an  diugh,  ag  iarraidli 
deirce,  ach  chuir  mise  air  falbh  iad  gu  luath 
le  briathran  teth."  "  Ma  rinn  thu  sin," 
arsa  Francis  "  gu  cinnteach  pheacaich  thu 
an  aghaidh  Graidh  agus  naraich  thu  soisgeul 
Chriosd,  oir  cha  b'  ann  riamh  ann  am  feiig 
ach  ann  an  ciuine  a  labhair  esan  ri  peacaich. 
Rach  a  nis  agus  thoir  leat  an  t-aran  so  agus 
an  t-searrag  so  de  fhion  agus  na  cuir  stad 
air  do  cheum  gus  am  faigh  thu  na  daoine  ris 
an    do  labhair  thu   le    feirg ;   an  uair    a  chi 


43 


thu  iad  rach  air  do  ghluinean  agus  iarr 
uiaitheanas  orra,  agus  an  sin  thoir  dhaibh 
an  tiodhlac  beag  so  agus  abair  riu  gu  bheil 
2nise  a'  cur  impidh  orra  ann  an  ainm 
/  Chriosd  gun  iad  a  dheanamh  reubainn 
tuilleadh  agus  iad  a  chuimhneachadh  air 
Dia." 

Cha'n  e  mhain  gu  robh  gradh  ann  an 
cridhe  Francis  d'a  bhraithrean  uile,  co  dhiu 
a  bha  iad  naomh  no  mi-naoniha,  ard  no  losal, 
ach  bha  gradh  'na  chridlie  do  gach  creutair 
beo,  do  bheathaichean  na  maclarach,  do  eoin 
an  adhair,  eadhon  do  na  daolagan  fhein. 
Cha  b'  urrainn  e  dol  seachad  air  mart  no 
caora  gun  am  beannachadh ;  bliiodh  e  a' 
'searmonachadh  do  na  h-eoin  agus  do  na 
seilleinean,  agus  theireadh  e  gu'm  b'e  a  phe- 
athraichean  agus  a  bhraithrean  a  bha  anns 
I     gach  creutair  beo. 

So  an  searmon  a  rinn  ©  aon  uair  do  na 
h-uiseagan,  '"  An  cluinn  sibh  mi,  a  pheath- 
raichean  gaoil,  is  mor  a  tha  sibhse  an  co- 
main  an  Ti  bheannaichte  a  chruthaich 
sibh,  agus  bu  choir  dhuibh  ainm  a 
mholadh  gun  sgiths.  Thug  e  dhuibh 
saorsa  gus  na  speuran  a  shiubhal  agus 
chuir  ©  oirbh  itean  gus  bhur  cumail 
blath.  Thug  e  dhuibh  fasgadh  anns  an  Aire 
an  am  na  dile  a  chum  's  nacli  basaicheadh 
'ur  fine.  Cha'n'eil  sibh  a'  cur;  cha  mho  a 
tha  sibh  a'  buain,  gidlieadh  tha  Dia  'g  ar 
beathachadh.  Thug  e  dhuibh  aibhnichean 
agus  uillt  agus  tobraichean  anns  an  caisg 
sibh  bhur  n-iotadh ;  achaidhean  agus  mon- 
aidhean  anns  an  faigh  sibh  bhur  Ion,  agus 
craobhan  is  frogan  diomhair  anns  an  dean 
sibh  bhur  neadan  agus  anns  an  tog  sibli  bhur 
n-aL  Nach  mor  an  gaol  a  tha  aig  Dia  oirbh 
an  uair  a  thug  e  dhuibh  uiread  thiodhlacan 
maithe  !  Bithibh-se,  mata,  a'  moladh  ainm 
naomh  agus  beannaichte  an  Tighearna,  agus 
feuchaibh  gu'm  bi  sibh   taingeih" 

Theagamh  gu'n  abair  na  bocsairean  agus 
na  Philistich  agus  uile  chlann  Edoim  nach 
'eil  ann  an  so  ach  a'  ghoraiche,  ach  cuimh- 
nicheadh  iad  gur  e  so  a'  ghoraiche  a  thug 
buaidh  air  gliocas  an  t-saoghail.  Tha  g6r- 
aich©  nan  naomh  na's  glice  na  gliocas  nam 
Philisteach. 

Cha'n'eil  ach  aon  ainm  eile  air  an  t- 
saoghal  as  ion-ghradhaichte  am  measg 
dhaoine  na  ainm  an  duine  so,  eadhon  an  t- 
ainm  a  tha  os  cionn  gach  ainm.  Cha  biiuin 
Francis  do  aon  eaglais  a  mhain  ;  buinidh  e 
dhaibh  uile.  Buinidh  e  do  na  Prostanaich 
cho  mhaith  's  a  bhuineas  e  do  na  Papanaich, 
direach  mur  a  bhuineas  Criosd  fein 
do'n  t-saoghal  uile.  Cha  tainig  agus  cha 
tig  gu  brath  atharrachadh  air  bith  air  comh- 
arraidhean  na  diadhaidheachd ;  is  ni  beag 
a  tha  ann  ciod  an  eajrlais  no  an  creud  a  tha 


duine  ag  aideachadh  ma  tha  toraidhean  an 
Spioraid  Naoimh  r'a  fhaicinn  'n  a  bheatha, 
macantas  agus  faighidinn  agus  gradh  agus 
creideamh  agu.s  cridhe  glan. 

Theirgeadh  an  iiine  dhomh  agus  gu  son- 
ruiclxte  theirgeadh  an  duilleag  orm  na  'n 
toisichinn  air  bruidhinn  air  an  dusgadh 
spioradail  a  thachair  anns  an  Roinn-Eorpa 
fo  theagasg  agus  fo  eisiomplair  an  duine 
naoimh  so,  oir  b'e  Francis  a  b'  athair  do'n 
Chomunn  mhor  agus  chumhachdach  a  sgaoil 
air  feadh  an  t-saoghail  uile,  Comunn  nam 
Franciscans.  Ach  tha  aon  cheist  shon- 
ruichte  a  tha  beatha  Francis,  agus  faodaidh 
mi  a  radh  beatha  Chriosd  cuideachd,  a'  togail, 
Ciod  an  eifeachd  spioradail  a  tha  ann  am 
hochdainn  1 

Feumar  a  radh  gu  bheil  beachd  dhaoine 
an  diugh  calg-dhireach  an  aghaidh  beachd 
an  Naoimh  Francis  air  a'  chuis  so,  agus 
theagamh  an  aghaidh  beachd  Chriosd  cuid- 
eachd. Ach  cha'n'  urrainn  mi  a  bhi  cinn- 
teach  mu  bheachd  Chriosd.  Tha  mi  cinn- 
each  gu-  leoir  gu'n  abradh  Francis  gu'm  b'e 
dleasdanas  duine  a  bhi  'n  a  dhuine  bochd 
agus  a  mhaoin  uile  a  thoirt  seachad,  oir 
bha  gaol  na  Bochdainne  'na  chridhe  mar  tha 
gaol  am  mnathan  ann  an  cridheachan 
dhaoine  eile,  agus  theireadh  e  rithe  mo  cheile- 
pdsda.  Ach  ged  a  dh'  iarr  Criosd  air  aon 
duine  sonruichte  a  mhaoin  uile  a  thoirt 
seachad  agus  e  fein  fhagail  falamh  cha'n'eil 
mi  cinnteach  gu'n  iarradh  e  oirnn  uile  so  a 
dheanamh,  ged  tha  amharus  agam  gu'm  b' 
fhearr  leis    ar   faicinn  gun  mhoran   againn. 

Tha  fichead  rud  ri  radh  air  gach  taobh 
de'n  cheist  so,  ceist  nach  'eil  idir  furasda  a 
fuasgladh,  ach  an  uair  a  tha  an  da  fhichead 
rud  sin  air  an  cur  sios  leis  na  deasbodairean 
air  an  da  thaobh,  tha  an  rud  mor  so  ri  radh 
fhathast,  gur  e  Bochdainn  a'  glieimhleag  as 
laidire  a  fhuaras  riamh  gus  an  saoghal  neo- 
dhiadhaidJi  a  charachadh  as  aiite.  Leugh 
sin  a  rithist,  a  leughadair,  agus  thoir  an 
aire  ciod  a  tha  e  a'  ciallachadh. 

Le  roghainn  a  thoile  agus  le  a  chomhairle 
shuidhicht©  fein  bha  losa  Criosd  bochd  ann 
an  laithean  fheola,  agus  le  roghainn  a  thoile 
fein  bha  an  Naomh  Francis  bochd.  Cha 
robh  iarraidh  aca  air  airgiod  is  cha  robh 
suim  aca  do  chomhfhurtachd  na  feola,  ach 
cha  robh  dithis  dhaoine  riamh  air  thalamh 
a  ghluais  inntinnean  ag*us  cridheachan 
dhaoine  eile  mar  a  rinn  iad.  Thilg  iad  an 
saoghal  bun  os  cionn. 

Mar  is  sinne  a  tha  mis©  a'  fas  is  ann  as 
cinntiche  a  tha  mi  a  so,  gur  e  na  daoine 
aig  am  bi  a'  bhuaidh  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  daonnan,  na  daoine  nach  teid  a 
thapaid  agus  na  daoine  aig  nach  'eil  gaol 
air  airgiod.       Theagamh   nach  cord   an  tea- 


44 


gasg  so  ri  bocsairean  no  ri  fasgadairean, 
daoiiie  anus  u  bheil  gaol  na  tapaid  agus  gaol 
an  aii'gid,  acli  air  a  slion  sin  tha  e  a  reir  an 
Tiomnaidh  Nuaidh.  Ach  tha  an  saoghal  cho 
fada  air  falbh  bho  theagasg  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  's  gur  e  na  daoine  d'  an  toir  sinn  na 
ceud-chathraichean,  conianndairean  airm 
agus  millionaires. 

Ach  cha  'n  ann  bho  chomanndairean-airm 
no  bho  mhillionaires  a  fhuair  an  saoghal  na 
tiodhlacan  as  fhearr  agus  as  maireannaiche 
ach  bho  leithidean  an  Naoimh  Francis,  a  bha 
e  fhein  'n  a  dhuine  bochd  ach  a  rinn  moran 
dhaoine  eile  saoibhir. 


DUINE  COIR. 

An  la  roimhe  fhuair  mi  litir  o  dhuine  ann 
an  Glaschu,  duine  nach  fhaca  mi  riamh,  a' 
feoraich  dhiom  an  robh  iasad  airgid  a  dhith 
orm.  Ma  bha,  thuirt  e  rium  nach  robh 
agam  ach  fios  a  chur  'g  a  ionnsuidh-san  agus 
gu'n  cuireadh  e  thugam  leis  an  ath  phosta, 
deich  notaichean,  no  leth-cheud,  no  oeud,  no 
mile, — suim  air  bith  a  bha  dhith  orm. 
Feumaidh  gu  bheil  an  fhior  uaisle  anns  an 
duine  oir  thuirt  e  gu'm  biodh  an  gnothuch 
air  a  chumail  eadaruinn  fhein ;  gu'm  biodh 
esan  cho  tosdach  ris  an  uaigh  agus  nach  biodh 
fhios  air  duine  eile  air.  Cha  'n  ann  a  h- 
uile  latha  a  thachrar  air  duine  cho  coir  ris 
an  fhear  ud,  agus  gun  iiine  a  chall  fhreagair 
mi  a  litir  is  thug  mi  mile  taing  dha ;  taing 
mu  choinneamh  a  h-uile  not  a  bha  mi  dol  a 
ghabhail  bhuaithe.  Thubhairt  mi  ris  gur 
e  daoine  coir  agus  daoine  fialaidh  d'a  sheorsa- 
san  a  bha  cumail  mo  chreideamh  ann  an 
uaisle  ar  nadur  daonna  beo ;  agus  mur  gabh- 
adh  e  gu  cearr  bhuam  e,  gu'm  bu  mhaith 
learn  na'n  gabhadh  e  fhein  agus  a  bhean  tea 
comhla  rium  a'  cheud  uair  a  bhithinn  ann 
an  Glaschu,  agus  gu'n  iarrainn  air  ministear 
Eaglais  Chaluim-Chille  agus  air  fear  no  dha 
de  na  foirbhich  tighinn  comhla  ruinn  a 
chionn  gu  robh  mi  cinnteach  gu'm  bu  mhaith 
leo  eolas  a  chur  air.  Dh'  iarr  mi  air  am 
mile  not  a  chur  ann  am  broinn  litreach, 
agus  a  seulachadh  gu  curamach  le  ceir,  agus 
thug  mi  dha  m'  fhacal  nach  biodh  an  corr 
iomraidh  air  a'  ghnothuch  gu  brath  ;  ma  bha 
e  fhein  toileach  a  ghniomharan  Criosdail 
fholuch  air  an  t-saoghal  nach  fosglainn-sa  mo 
bheul. 

Tha  deich  laithean  bho  chuir  mi  air  falbh 
an  litir  so,  agus  tha  e  a'  cur  ionghnaidh  orm 
nach  d'  fhuair  mi  fios-freagairt  fhathast. 
Ach  theagamh  gu'n  tainig  gairm  ohabhag- 
ach  air  an  duine  choir  a  lerusalem. 


MU    CHAITHEAMH. 

Tha  tri  seorsachan  galair  ann  a  tha 
milleadh  na  diithcha  so  gu  h-uamhasach ; 
caitheamh,  agus  cancer,  agus  an  galair  mo- 
sach.  Tha  leth  cheud  mile  duine  (50,000) 
a'  basachadh  am  Breatunn  a  h-uile  bliadhna 
leis  a'  chaitheamh  a  dh'  aindeoin  gu  hheil 
dotairean  agus  luchd-ealain  am  heachd  gu'n 
gahh  daoine  anns  a  hheil  caitheamh  leigheas. 

Anns  na  seann  laithean  bhatar  an  duil 
nach  gabhadh  i  leigheas  idir ;  gu  robh  i  a' 
ruith  anns  an  fhuil,  agus  nach  robh  ceann- 
criche  air  bith  aice  ach  am  bas,  gu  sonruichte 
ma  bha  i  duthchasach  do  dhuine.  Ach  tha 
na  dotairean  air  am  beachd  atharrachadh  ; 
tha  iad  ag  innseadh  dhuinn  a  nis  nach  'eil 
a'  chaitheamh  air  a  breith  le  duine  idir  (ged 
tha  i  na's  buailtaiche  do  dhaoine  d'a  bheil 
i  duthchasach  na  tha  i  do  dhaoine  eile)  agus 
gu'n  gabh  i  leigheas  ma  sheallar  as  a  deidh 
ann  an  am. 

Is  e  as  mathair-aobhair  do'n  ghalair  so 
fride  bheag  bhiodach  a  thoisicheas  air 
siolachadh  ann  an  corp  duine  (gu  bitheanta 
anns  an  sgamhan  aige).  Tha  an  creutair 
beag  so  cho  biodach  's  nach  foluicheadh  da 
cheud  muillean  dhiubh  bonji  she  sgillinn, 
ach  tha  iad  cho  guineach  's  gu'm  marbh  iad 
na  samhanaich  fhein,  ma  gheibh  iad  uine  is 
cothrom.  Cleas  chreutairear  eile  a  bhios  a' 
deanamh  uilc  is  toigh  leo  an  dorchadas.  Cha 
toigh  leo  a'  ghrian  no  an  solus  idir. 

Gle  thric  tha  a'  chaitheamh  ag  eirigh  ann 
an  droch  thighean,  tighean  snigheach  dorcha 
le  uinneagan  beaga  agus  ballachan  fuara 
agus  urlair  fhliucha.  Ma  bhithear  a'  til- 
geil  smugaidean  air  an  urlar  tha  an  cunnai't 
raor.  Bu  choir  soitheach-smngaidean  dha 
fhein  a  bhi  aig  duine  air  bith  air  a  bheil 
caitheamh,  agus  a  h-uile  ni  de'n  t-seorsa 
sin  a  bhi  air  a  losgadh  no  air  a  thiodhlacadh. 

Tha  an  galair  so  gabhailteach,  agus  bu 
choir  gu'm  biodh  clann  agus  daoine  oga  air 
an  cumail  air  falbh  o  dhaoine  air  a  bheil 
caitheamh.  Bu  choir  tighean  anns  an  robh 
caitheamh  a  bhi  air  an  glanadh  cho  curamach 
agus  ged  b'e  fiabhrus  a  bha  annta.  Agns 
ma  thoisicheas  an  galair  grannda  so  as  ur 
annta,  a  dh'  aindeoin  glanaidh,  b'  fhearr 
do  na  daoine  leis  an  leis  iad  braidseal  teine 
a  dheanamh  dhiubh  agus  an  losgadh. 
Gheibhear  tigh,  ach  cha  toirear  am  marbh 
air  ais  as  an  uaigh. 

A  cheart  cho  luath  's  a  dh'  aithnichear  gu 
bheil  a'  chaitheamh  air  t6iseachadh  ann  an 
duine  bu  choir  curam  a  bhi  air  a 
ghabhail  uime,  agus  ma  tha  sin  air  a  dhean- 
amh trath,  theagamh  nach  fhaigh  i  greim 
laidir  air  agus  gu'n  teid  e  na's  fhearr  ri 
nine. 


Air.    12 


1926. 


LITREACHAS  UR  AGUS  SEAN. 

Dain  Spioradail  ;   le  Pa<lvuig  Gvannd. 
Glbann  an  Deoir  ;  le  Ruaiiidh  DomhniillacU. 
Domhnullan;  le  Domhnull   Mac  Chalum. 
'  Leabhar  Chbist  na  Mathar;  le  Eoin  Willison. 

An  la  roimhe  fhuair  mi  am  pasgan  leabh- 
raichean  so,  leabhraichean  a  tha  air  an  cur 
a  mach  le  Alasdair  Mac  Labhruinn  agus  a 
Mhic,  biith  as  maith  is  aitline  do  na  Gaidheil 
am  baile  Ghlaschu.  Tha  leabhraichean 
Gaidhlig  a'  tighinn  a  mach  oho  annamh 
agus  gur  coir  an  di-beatha  a  dheanamh  an 
uair  a  uiig  iad. 

Tha  tri  de  na  leabhraichean  so  air  an  cur 
a  mach  fio  laimh  Eachainn  Mhic  Dhughaill, 
agus  am  fear  eile  fo  laimh  Iain  Mhic  Leoid 
anns  a'  Chnoc-bhan,  barantas  gu  leoir  gu 
bheil  litreachadh  na  Gaidhlig  air  a  dhean- 
amh gu  ciiramach. 

Bha  "  DomhnuUan  "  air  a  sgriobhadh  leis 
an  Urramach  Domhnull  Mac  Chalum,  minis- 
tear  Bgire  nan  Loch  an  Leodhas,  duine  a 
chuir  meas  mor  riamh,  an  da  chuid,  air 
cainnt  agus  air  sluagh  ar  diithcha.  Tha 
Maighstir  Mac  Chalum  a'  cur  seachad  feas- 
gar  a  laithean  anns  an  Eilean  Sgitheanach, 
far  am  faod  e  caidreamh  reidh  a  bhi  aig*e  ris 
a'  Cheolraidh,  agus  rannan  a  chur  r'a 
cheile  a  choisneas  dha  fhathast  Crim  na 
Bardachd  bho'n  Chomunn  Ghaidhealach.  Bu 
mhaith  leam-sa  sin  fhaicinn,  agus  tha  mi 
cinnteach  gu'n  rachadh  aige  air  an  duals  so 
a  chosnadh  na'n  gabhadh  e  beagan  dragha. 
Tha  ioma,dh  seorsa  rannachd  anns  an 
leabhar  so,  far  a  bheil  turns  Dhomhnullain 
air  innseadh,  ach  thug  mi  an  aire  gur  e  am 
meadar  so,  no  an  rannachd  so,  a  tha  e  a 
cleachdadh  an  drasd  's  a  rithist,  am  meadar 
as  fhearr  a  tha  freagairt  air. — 

Thar  tnullach  nam   mor   hu   hhdidheach   hri- 

seadh 
An  Id  h'e  imeachd  mo  luaidh 
A  mach  air  a  che  a  reis  gu  ghahhail 
'S  a  cheiim  hha  falaicht  's  an  uair 
Ach  6'  aighear,   ochdinl   hha  stoirm   's  te.in- 

adhair 
A'  ghlnir  a  gheallar  toirt  uaith 
'S  an  d'  fhdgar  a'  chraohh  hu  chaoine  duill- 

each 
Fo  ghaoid.  hha  tuilleadh  rith'  fuaighf. 

Tha  cuid  de  na  rannan  anns  an  leabhar 
so  na's  fhearr  na  each  :  tha  cuid  dhiubh  cho 
mhaith  's  gu  bheil  mi  cinnteach  gu'n  rach- 
adh aig  an  iighdair  air  an  deanamh  uile  na's 
fhearr,    na'n   gabhadh   e   nine   agus   draeh. 


Tha  na  leabhraichean  eile  mu  nithean 
crabhach,  agus  air  an  aobhar  sin  bu  mhaith 
learn  an  toirt  gu  aire  luchd-leughaidh  na 
duilleig  so,  gu  sonraichte  Leahhar  Gheist  na 
Mdthar.  Cha  ruigear  a  leas  Para  Grannd 
a  chur  an  cuimhne  dhaoine  diadhaidh,  oir 
cha  robh  a  laoidhean  riamh  air  dhichuimhne 
orra. 

Aig  aon  am  bha  leabhraichean  Cheist  air 
an  cleachdadh  gu  mor  ann  an  teagasg  na 
cloinne  agus  bu  mhaith  an  gnothuch  na'n 
robh  am  fasan  sin  air  a  thoirt  air  ais.  Ged 
tha  ministearan  is  maighstirean-sgoile  is 
gach  seorsa  dhaoine  eile  aig  a  bheil  lamh 
ann  an  oileanachadh  na  h-6igridh  an  dull 
gur  ann  aca-san  a  tha  a'  bhuaidh  as  motha 
air  inntinnean  na  cloinne  cha'n  ann  idir 
ach  aig  mathraichean  na.  diithcha.  Is  e  an 
t-ionnsachadh  6g  a  ni  an  t-ionnsachadh 
maith.  Tha  so  fior  gu  sonraichte  a  thaobh 
teagasg  spioradail,  teagasg  mu  Dhia  agus 
mu'n  dleasdanas  a  tha  Dia  ag  iarraidh 
bhuainn.  Cha'n'eil  duine  air  an  t-saoghal 
as  urrainn  an  teagasg  sin  a  thoirt  do 
phaisde  coltach  r'a  mhathair,  agus  an  ni  a 
chluinneas  am  paisde  bho  mhathair  gabh- 
aidh  e  ris  agus  bidh  cuimhne  aig  air  gu 
brath.  Bheir  an  leabhar  beag  -so,  mata, 
cuideachadh  do  mhathraichean  ann  a  bhi  a' 
toirt  eolas  slainteil  d'  an  cloinn.  Bha  e  air 
a  sgriobhadh  le  Eoin  Willison,  ministear  a 
bha  ann  an  Dundeagh  bho  chionn  fhada, 
agus  bha  e  air  a  chur  a  mach  an  toiseach 
anns  a'  bhliadhna  1752,  an  Glaschu.  Bha 
e  air  a  chur  an  cl6  as  iir  iomadh  uair 
bhuaith  sin,  agus  b'e  an  t-aobhar  gu'n  d' 
fhuaradh  feumail  e  le  parantan  anns  a' 
Ghaidhealtachd.  Tha  e  anabarrach  sim- 
plidh,  agus  is  maith  an  rud  simplidheachd, 
CO  dhiu  a  thatar  a'  labhairt  ri  daoine  beaga 
no  ri  daoine   m6ra. 

■se-         *         -x-         * 

Is  e  Gleann  an  Deoir  an  t-ainm  a  tha  air 
leabhar  beag  de  dhain  spioradail  a  bha  air 
an  deanamh  le  Ruairidh  Domhnullach,  an 
Leodhas.  Tha  an  tiotal  so  freagarrach  gu 
leoir  do'n  leabhar  oir  tha  na  dain  agus  na 
laoidhean  a  tha  ann  gu  maith  trom  is  dubh- 
ach.  Ged  bhios  daoine  ag  radh  nach  'eil 
anns  an  t-saoghal  so  ach  "  gleann  nan  deur  " 
cha'n  ann  anns  a'  Bhiobull  a  gheibhear  am 
facal  sin  no  an  cliii  sin  air  an  t-saoghal,  agus 
cha  mho  a  tha  ann  ach  crioman  beag  de'n 
fhirinn.  Tha  an  saoghal  maith  agus  an 
solus  mills,  agus  thigeadh  e  do  dhaoine  gair- 
deachas  a  dheanamh  gun  sgur  ann   an  oib- 


46 


richean  agus  ann  am  maitheas  an  Tigheania. 
Tlia  naoi  dain  ann  an  Gaidhlig  anns  an 
leabhar  bheag  so,  agus  coig  dain  ann  am 
Beurla,  ach  ciod  air  bith  as  aobhar  da  tha 
obair  Ruairidh  Dhomhnullach  na's  ciiiine 
agus  na's  cadinhaile  am  Beurla  na  tha  i  an 
Gaidhlig.  Co  dhiu  cha  do  luigh  mo  shiiil 
air  dad  anns  na  laoidhean  Beurla  cho  garbh 
ris  na  gheibhear  ann  an  te  no  dha  de  na 
laoidhean  Gaidhlig.  Dh'  fheumadh  buadh- 
an  sonraichte,  agus  mac-meamna  barraichte 
a  bhi  aig  duine,  agus  a  thuiJleadh  air  sin 
iochd  is  gradh  gun  cheann  gun  chrioch  a 
bhi  'na  chridhe,  m'an  toisicheadh  e  air 
seinn  mu  ifreann.  Theab  sin  fairtleachadh 
air  Diighall  Bochanan  fhein.  Tha  an 
leabhar  beag  so  a'  moladh  ainm  losa,  agus 
a  chionn  gu  bheil  is  fhiach  e  a  cheannach. 


Dh'  fhag  mi  am  fion  as  fhearr  gu  deireadh, 
laoidhean  Phara  Ghrannd.  Tha  an  leabhai' 
so  cuideachd  air  a  chur  a  mach  fo  laimh 
Eachainn  Mhic  Dhughaill,  agus  tha  cunntas 
air  a  thoirt  ann  air  Para  Grannd  le  iar- 
ogha  fhein,  1.  A.  G.  Robinson,  ministear 
Baisteach  ann  am  Peairt.  Bha  laoidhean 
Phara  Ghrannd  air  an  cur  an  clo  air  son 
na  ceud  uaire  mu  am  Waterloo,  agus 
bhuaith  sin  chuireadh  iad  a^  mach  as  ur 
fichead  uair  eile,  dearbhadh  gu  leoir  gu  robh 
gaol  orra  anns  a'  Ghaidhealtachd,  agus 
gu  robh  iad  air  an  leughadh  agus  air  an 
seinn.  Bha  iad  sin,  mar  nach  robh  laoidh- 
ean air  bith  eile,  agvis  tha  gus  an  la  an 
diugh.  An  uair  a  sheallas  mi  air  a'  chlar- 
innsidh  agus  a  chi  mi  ainm  cuid  de  na 
laoidhean,  "  Oran  mu  leanabh  6g,"  "  Eif- 
eachd  am  fuil  an  Uain,"  "  An  dachaidh 
bhuan,"  "  Gloir  an  Uain,"  nach  saoil  mi 
gu  bheil  mi  'gan  cluinntinn  a  ris  mar  a 
chuala  mi  iad  air  an  seinn  'n  am  bhalach 
le  daoine  gaolach  agus  diadhaidh  a  tha  cuid 
dhiubh  an  diugh  anns  an  uaig-h  !  Theag- 
amh  nach  fhaigh  Para  Grannd  urram  na 
bardachd  an  uair  a  thoimhsear  e  ri  baird 
eile,  ach  gheibh  e  rud  as  fhearr  ;  gheibh  e 
beannachd  nam  mUtean  d'a  cho-chreutairean 
d'an  robh  a  laoidhean  'n  an  aran  na  beatha. 
Co  am  bard  Gaidheaiach  eile  a  tha  cho  sois- 
geulach  ris  agus  cho  ceolmhor  cuideachd  ! 
Ann  an  laoidhean  Phara  Ghrannd  tha  an 
oeol  agus  an  soisgeul  a'  pogadh  beul  ri  beiil. 

Gu  ma  raaith  a  bhios  an  fheadhainn  a 
ghabh  OS  laimh  an  leabhar  so  a  chur  a  mach 
aon  uair  eile.  Tha  mi  an  dochas  gu'm 
faigh  Alasdair  Mac  Labhruinn  a  dhuais  agus 
gu'n  ceannaich  moran  e,  agus  ma  thachras 
sin,  tha  mi  cinnteach  gur  leor  an  duais  sin 
fhein  le  Eachann  Mac  Dhiigaill  air  son  a 
shaothrach-san. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Ann  an  Oilthighean  na  h-Alba  tha  e  'n  a 
chleachdadh  gu'm  bi  na  h-oileanaich  oga  a' 
taghadh  dhaibh  fein  Ard-Riaghlair  uair  's 
na  tii  Idiadhna.  Cha'n'eil  mi  uile  gu  leir 
cinnteach  ciod  na  dleasdanasan  a  bhuineas 
do'n  oifig  urramach  sin,  ach  co  dhiu  buinidh 
so  dha,  gu  bheil  aig  an  Ard-Riaghlair  ri 
oraid  mhor  a  thoirt  do  nai  h-oileanaich  ;  or  aid 
cho  cudthromach  's  is  urrainn  da  a  dhean- 
amh.  Tha  na  h-6raidean  ,sin  de  gach  seorsa 
dath ;  cuid  dhiubh  maith  agus  cuid  dhiubh 
gle  bhochd ;  tha  mi  an  diiil  gur  e  an  te  as 
fhearr  dhiubh  a  leugh  mi  riamh  an  oraid 
a  thug  Tomas  Carlyle  seachad  ann  an 
Duneideann  bho  chionn  fhada,  agus  an  te 
as  miosa  an  oraid  a  thug  Lloyd  George 
seachad  anns  a'  cheart  aite  bho  chionn 
ghoirid. 

Tha  na  h-oileanaich,  cleas  an  t-saoghail 
uile,  a'  faotainn  na  duaise  no  na  h-oraid  a 
tha  iad  a'  toilltinn.  An  Duneideann  agus 
ann  an  Glaschu  tha  iad  a'  taghadh  an  Ard- 
Riaghlair  daonnan  a  measg  buill  na  Parla- 
maicl,  agus  trie  gu  leoir  cuiridh  iad  a  stigh 
daoine  nach  'eil  dad  anns  na  cinn  aca  ach 
cath  is  moll.  Ach  ann  an  Oilthigh  Chill- 
Ribhinn  tha  iad  a'  leantuinn  cleachdadh  is 
fhearr ;  tha  iad  a'  taghadh  an  Ard-Riaglair 
(gu  sonraichte  bho  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan)  a  measg  dhaoine  a  tha  cliiiiteach  air 
son  am  buadhan  inntinn.  Agus  tha  a  bhuil ; 
is  ann  ann  an  Cill-Ribhinn  a  chualas  na  h- 
oraidean  is  fhearr  a  chuala  oileanaich  na 
gineil  so ;  na  h-6raidean  a  bha  air  an  liubh- 
airt  le  Seumas  M.  Barrie  ;  Rudyard  Kipling; 
agus  an  t-Ollamh  Fridtjof  Nansen. 

Co  an  duine  a  tha  beo  an  Albainn  an  diugh 
as  cinntiche  a  bhios  air  chuimhne  ceud 
bliadhna  'n  a  dheidh  so?  Ciod  do  bheachd 
fhein,  a  leughadair?  Tha  mise  an  duil  gur 
e  Seumas  M.  Barrie.  Tha  solus  ann  an  inn- 
tinn Bharrie  a  bha  air  a  lasaclh  aig  an  teine 
ata  shuas.  An  uair  a  bhios  marsantan  agus 
bancairean  agus  cinn-iuil  eile  an  t-sluaigh, 
a  tha  an  diugh  cho  mor  'n  ar  siiilean-ne,  an 
uair  a  bhios  iad  air  an  dichuimhneachadh 
cho  buileach  's  ged  nach  robh  iad  riamh  ann, 
bidh  Seumas  M.  Barrie  fathast  a'  labhairt, 
agus  bidh  a  theachdaireachd  'n  a  reul-iiiil 
do  dhaoine  oga  a  tha  ag  iarraidh  an  rathaid 
gu  tir  a'  gheallaidh. 

Ged  nach  e  an  aon  tiotal  a  thug  Barrie, 
agus  Kipling,  agus  Nansen,  do  na  h-6raid- 
ean  a  liubhair  iad,  b'e  an  aon  chuspair  air 
an  do  labhair  iad;  dh'  ardaich  iad  spiorad 
na  gaisgealachd  ann  an  eisdeachd  nan  daoine 
oga  ris  a^.  robh  iad  a'  bruidhinn.  Faodar 
sealltuinn  air  an  rud  ris  an  abrar  gaisgeal- 
achd bho  iomadh  taobh,  ach  ciod  air  bith  an 


47 


taobh  o'n  seallar  air,  is  e  so  an  rud  as  mais- 
iche  ann  an  duine,  an  rud  leis  a  bheil  e  'g 
a  chumail  fhein  ann  an  companas  Dhe  agus 
ann  an  companas  na  muinntir  sin  a  thug 
buaidh  air  an  t-saoghal.  Am  measg  nan 
daoine  a  chunnaic  an  t-abstol  Eoin  air  an 
dimadh  a  niacli  as  an  lerusalem  Nuadh  tha 
e  ag  ainmeachadh  nan  gealtairean.  Clia 
toigh  1©  Dia  an  .seorsa  dhaoine  sin. 

Cha'n'eil  e  t'urasd  a  radh  ciod  an  fhior  rud 

a  thatar  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal  spiorad 

na  gaisgealachd,  ach  is  suarrach  an  call  nacli 

'eil  oir  tuigidh  na  daoine  ceart  e  gun  a  irdiin- 

eachadli,    agus  air  son  clann  Mherois   dheth, 

cha  tuigeadh  iadsan  e  co  dhiii.        Bidh  mise 

gle  thric  a'  diomoladh  dhuit-se,  a  leughadaii-, 

spiorad  na  marsantachd,  agus  bithidh  mi  a' 

deaoiamh  sin  a  chionn  gur  rud  e  a  tha  calg- 

dhireach  an  aghaidh  spiorad  na  gaisgealachd. 

Theagamh    gu    bheil    am    facal    sin    fhein, 

spiorad  na  marsantachd,   eho  dorcha    ris  an 

fhear   eile,    ach   ma  tha,    innsidh   mi   naigh- 

eachd  a   dh'   fhaodas  solus  a  chur  air.      Bha 

duine  as   aithne  dhomh  uaireigin  a'  bruidh- 

inn  ri  balach  a  bha  fhathast   anns  an  sgoil, 

a'    foighneachd    dheth    an    robh    obair    shon- 

raichte  a  bha  e  a'  miannachadh  dol  thuige. 

Bha  am  balach  mu  she  bliadhna  deug  a   dh' 

aois;  bha     e  'na  sgoilear  maith,  agus  thuirt 

an  duine  ris  gu'm  biodh  e  ceart  dha  smuain- 

eachadh    air    dreuchd    na    ministrealachd     a 

chionn      gu       robh      ministearan      anns      a' 

Ghaidhealtachd  air  fas  gann.      Is  e  an  fhrea- 

gairt  a  thug   am  balach   dha,   B''fhearr  learn 

(lol   '??   am    mliaighstir-ngoil  oir   tha   j.^ev-'^iovx 

aca  iiM's  motha  na  tha  aig  na  ministearan. 

Ciod  a  their  thu  ri  inntinn  d©  'n  t-seorsa 
sin,  a  leughadair?  Ciod  a  their  thu  ri  aois 
she  bliadhna  deug  a'  bruidhinn  cheana  air 
pension?  Duine  nach  do  chuir  air  armachd 
fhathast  a'  sealltiiinn  air  thoiseach  air  ris 
an  latha  anns  an  cuir  e  dheth  i  !  Sin  an  rud 
ris  an  abair  mise  spiorad  na  marsantachd, 
CO  dhiu  aon  taobh  dheth.  Cha'n'eil  mi  ag 
radh  gu  robh  am  balach  ud  na's  gaolaiche  air 
airgiod  na  balaich  eile  ;  cha  mho  a  theirinn 
gu  bheil  barrachd  de  spiorad  na  marsan- 
tachd am  meas2"  mhaighstirean-sgoile  na  tha 
am  measg  mhinistearan  ;  ciod  air  bith  an 
dreuchd  no  an  obair  a  thaghadh  an  gille  ud 
dha  fhein  cha  bhiodh  ann  gu  brath  ach  an 
aon  seorsa  duine ;  duine  a  dh'  fheuchadh 
claonnan  ri  bhi  air  an  taobh  shabhailte, 
duine  nach  fuilingeadh  fuachd,  no  cruas, 
no  cruadal,  na'n  gabhadh  e  seachnadh  ;  nach 
leigeadh  le  ordagan  a  bhi  ann  an  cunnart 
reothaidh  ged  nach  tigeadh  an  la  anns  an 
ruigteadh  air  soran  na  gaoithe  tuath.  Is 
e  an  fhior  aite  air  son  leithidean  a'  bhal- 
aich  ud,  obair  a'  Ghovernment ;  nead  shoc- 
rach  anns  am  faod  iad  an  saoghal  a  ghabhail 


gu   reidh,   gun   mhaith  gun   chron   a   dhean- 
amh . 

B'e  an  ceann-teagaisg  a  ^'habh  Barrie  do 
na  h-oileanaich,  Misneach.  "  Cha  'n  ur- 
rainn  mi  "  thubhairt  e  riu,  "  lorg  no  bata 
a  thoirt  dhuibh  air  son  turns  'ur  beatha, 
ach  innsidh  mi  dhuibh  mu'n  lorg  is  fhearr 
air  an  t-saoghal  uile  gu  leir  ;  ciamar  a  gheibh 
sibh  e,  agus  a  chailleas  sibh  e,  agus  a  gheibh 
sibh  e  a  ris,  agus  a  ghreimicheas  sibh  ris  le 
greim  bais.  Feumaidh  gach  aon  agaibh  an 
lorg  so  a  ghearradh  air  a  shon  fhein  ;  is  e 
ainm  an  luii-g  misneach  ;  gras  is  boidhche  na 
uile  ghrasan  eile  an  anama  ;  crioman  d'a 
aisinn  fein  a  thug  Dia  d'a  chloinn  air  thal- 
amh." 

Is  maith  an  rud  an  oige  ;  is  ann  anns  an 
oigridh  a  tha  dochas  an  t-saoghail.  An  uair 
a  ruigeas  daoine  leth-cheud  bliadhna  tha  iad 
mar  is  bitheanta  a'  socrachadh  sios  air  an 
deasgainibh  ;  tha  iad  toilichte  le  'n  staid  agus 
is  maith  leo  gu'n  rachadh  a  h-uile  ni  air 
aghaidh  mar  a  bha  iad  a'  dol  air  an  aghaidh 
'n  an  oige.  Tha  eagal  am  bais  aca  roimh 
na  ginealan  ura  a  tha  ag  eirigh  suas,  agus 
cuii'idh  iad  an  sailtean  anns  an  talamh  air 
eagal  gu'm  bi  iad  air  am  putadh  air  an 
aghaidh  aon  oirleach.  Sin  na  daoine  a  tha 
■'n  an  suiclhe  anns  na  caithrichean-arda 
daonnan  ;  is  ann  aca  a  tha  cumhachd,  is  iigh- 
darras,  agus  ainm  a'  ghliocais.  Ach  ged 
tha  e  oeart  do'n  oigridh  a  bhi  modhail 
aguisi  siobhalta  ris  na  bodaich  sin  a  tha 
seoladh  long  na  rioghachd  tha.  e  ceart 
dhaibh  cuideachd  gun  eagal  a  bhi  aca  romh- 
pa  agus  an  guth  a  thogail  ma  tha  iad  a' 
faicinn  gu  bheil  na  bodaich  a'  stiiiradh  ciirsa 
cearr  ;  cursa  a  dh'  fhaodas  an  long  a  chur 
air  na  creagan.  Feumaidh  iad  deagh  mhis- 
neach  a  bhi  aca  oir  tha  gach  cumhachd 
fhaicsinneach  air  taobh  nam  bodach,  agus 
an  gliocas  a  tha  crionna  agus  saoghalta,  ach 
theireadh  Barrie  agus  Ki]:)ling  agus  Nansen 
riu — agus  na's  fhearr  air  fad — theireadh 
Criosd  riu,  "  na  biodh  eagal  oirbli  no  geallt : 
cuiribh  a  mach  chum  na  doimhne  agus  stiu- 
raibh  ar  ciirsa  le  bhur  combaist  fhein." 


SEACHNAIBPI  AN  DRONGAIR. 

Na  bithibh  air  'ur  cuing  cheangal  gu  neo- 
chothromach  ri  mi-chreidich,  no  ri  dron- 
gairean. — 2  Cor.   vi,  14. 

Cha'n  'e  Pol  a  sgriobh  na  facail  mu  dheir- 
eadh  ach  mi  fhein,  ach  ged  tha  mi  a'  cur 
nam  facal  so  ris  na  nithean  a  tha  sgriobhta 
anns  an  leabhar  naomh  tha  mi  an  dochas 
nach  tig  na  plaighean  orm  a  mhaoidh  an  t- 
abstol  Eoiri   air  neach   air  bith   a  chuireadh 


48 


dad  ris  na  sgriobturan.  Miir  bheil  na  fa- 
cai\  so  air  am  faotainn  ann  an  litir  an 
sgriobtuir  tha  iad  co  dhiu  a  reir  spiorad 
an  'Sgriobtuir,  agus  tha  mi  Ian  chinnteach 
na'n  do  chuir  nighean  air  bith  ann  an  Corint 
a  comhairle  ri  Pol  mu  dhuine  a  bha  ag  iar- 
raidh  a  jDosaidh  agus  e  troni  air  an  deoch  ; 
tha  mi  Ian  chinnteach  gu'n  abradh  e  rithe, 
Na  biodh  gnothuch  agad  ris;  seachainn  a 
leithid  sin   de  dhuine. 

Cha'n'eil  teagamh  nach  bi  nigheanan  oga 
a'  leughadh  na  duilleig  so  cho  mhaith  ris 
na  cailleachan,  agus  bu  mhaith  leam-sa  a 
chomhairle  cheudna  a  thoirt  orra  bho  fhios- 
rachadh  mo  bheatha  fhein.  Ann  an  laithean 
an  leannanachd  neo-ar-thaing  nach  geall  na 
fir  gu'n  seachain  iad  deoch  laidir  gu  buil- 
©ach  an  uair  a  phosas  iad,  ach  tha  na  mil- 
tean  te  anns  an  duthaich  an  diugh  a  tha 
caoidh  gu'n  do  chreid  iad  sin.  Cha'n'eil  © 
aig  am  sam  bith  sabhailte  creideas  a  thoirt 
do  dhrongair.  Ciod  air  bith  as  aobhar  dha 
tha  an  t-61  agus  na  breugan  a  'dol  comhla 
daonnan  :  ged  a  dh'  fhaodas  tu  peacaich  eile 
a  chreidsinn  is  ann  gle  annamh  is  urrainnear 
drongair  a  chreidsinn. 

Na'n  robh  nighean  agam-sa  tha  mi  an  diiil 
gu'm  b'  fhearr  leam  a  faicinn  air  a  ceangal 
ri  mi-chreideach  fhein  seach  ri  drongair  :  • 
bhiodh  dochas  agam  gu'm  fosgladh  an  Spior- 
ad  Naomh  a  shiiilean,  ach  tha  an  drongair 
am  beachd  nach  'eil  suilean  idir  cho  fos- 
galilte  ri  fheadhainn-san. 

An  uair  a  phos  Iseabal  Nic  Coinnich  an 
Cille-sgumain  Eachann  Caimbeul,  tuathan- 
ach  na  Pairce,  bha  a  cairdean  an  aghaidh  a' 
phosaidh  oir  bhiodh  Eachann  na  bu  bhith- 
eanta  na  bu  choir  dha  anns  an  tigh-osda 
aig  Tom  Elliot,  Ach  shanntaich  Iseabal 
tigh  agus  baile  fearainn,  agus  bha  i  an  diiil 
gu'n  deanadh  i  fhein  duine  do  Eachann  agus 
gu'n  cumadh  i  o'n  61  ©.  Rinn  i  sin  fad 
she  seachduinneaii,  ach  an  diugh  tha  Each- 
ann fada  na's  miosa  na  bha  e  riamh.  Cleas 
a  h-uile  t6  a  tha  fuireach  anns  an  aon  tigh 
ri  drongair  tha  fhios  aig  Iseabal  bhochd  gu 
maith  an  uair  a  tha  ana-miannan  a'  tois- 
eachadh  air  oibreachadh  ann  an  Eachann, 
aguiSi  bidh  i  a'  feuchainn  leis  gach  innleachd 
as  aithne  dhi  air  a  chumail  o'n  deoch,  ach 
bha  cho  mhaith  dhi  feuchaiim  ri  abhainn 
Gharaidh  a  chumail  air  a  h-ais.  Agus  ged 
bha  Iseabal  'n  a  bean-tighe  anabarrach  glan 
agus  sgoinneil  an  uair  a  phos  i,  agus  ged 
tha  dithis  phaisdean  lurach  aice,  tha  i  a 
nis  air  a  misneach  a  chall  ;  an  uair  mu  dheir- 
eadh  a  bha  mi  an  Cille-sgumain  agus  a 
chaidh  mi  'g  a  faicinn  cha  b'  iirrainn  mi 
gun  an  aire  a  thoirt  do'n  atharrachadh  a 
bha   air  an  tigh. 

Is  e  an  fhirinn    gu  bheil   am  boirionnach 


truagh  ann  am  priosan — agus  na's  miosa  na 
sin- — gu  bheil  i  ionnan  ri  bhi  ann  an  ifreann 
fhein.  Is  ann  aig  Dia  a  mhain  a  tha  fhios 
cia  meud  te  eile  a  tha  anns  an  duthaich  col- 
taoh  ri  Iseabal,  nigheanan  a  bha  air  am 
mealadh  leis  an  dochas  fhaoin  gu'n  deanadh 
iad  duine  stuama  de  dhrongair,  ach  a  tha 
nis  ann  an  daorsa  mhuladach,  gun  fiughair 
aca  ri  fuasgladh  gus  am  fuasgail  am  bas  a' 
chuing  amaideach  agus  neo-chothromach  a 
chuir  iad  orra  fein. 


A  GHAIDHLIG  ANN  AN  LUNNAINN. 

Ann  am  baile  mor  Lunnainn  tha  na  Gaidh- 
eil  s,'  eruinneachadh  ann  an  Eaglais  Cuirt  a' 
Chruin  uair  's  an  raidhe  gus  seirbhis  a  bhi 
aca  ann  an  Gaidhlig.  Thug  iad  cuireadh 
dhomhsa  dol  air  cheann  na  seirbhis  sin  air 
an  deicheamh  la  de  October,  agus  bha  iad 
cho  blath  caoimhneil  rium  's  gu'm  bu  mhaith 
leam  mo  mhile  taing  a  thoirt  daibh  air  an 
duilleig  so,  an  earalas  gu^n  leugh  cuid  aca 
na  tha  mi  ag  radh.  Bha  mi  gu  sonraichte 
an  comain  dithis  dhaoine  coir  a  rinn  na 
ghabhadh  deanamh  gus  mu  thurus  do'n  bhaile 
a  dheanamh  comhf  hTirtachail  agus  toilichte ; 
fear  dhiubh  de  fhine  nan  Caimbeulach  agus 
am  fear  eile  de  fhine  Chloinn  Phail. 

Tha  eaglais  Cuirt  a'  Chruin  briagha  an 
taobh  a  stigh  dhi  ged  nach  'eil  sealladh  oirre 
o'n  taobh-a-muigh,  ach  is  e  an  rud  as 
maisiche  ann  an  eaglais  air  bith  i  bhi  Ian  de 
dhaoine.  Tha  coimhthional  mor  a'  eruinn- 
eachadh anns  an  eaglais  ud  a  h-uile  uair  a 
bliios  seirbhis  Ghaidhlig  innte,  agus  ged  is 
neonach  an  rud  e  r'a  innseadh,  shearmon- 
aich  mise  do  bharrachd  dhaoine  ann  an 
Gaidhlig  ann  an  Lunnainn  na  rinn  mi  riamh 
ann  an  aite  air  bith  an  Albainn,  Sin 
agaibh  sin;  rud  gle  neonach,  ach  an  fliirinn. 

An  deidh  na  seirbhis  chaidh  cuid  mhaith 
de'n  choimhthional  sios  do  thalla  mor  a  bha 
fo'n  eaglais,  far  an  robh  oupan  tea  air  a 
thoirt  duinn  agus  cothrom  againn  air  sean- 
chas  a  dheanamh  r'a  cheile.  Bha  iad  anzi 
as  gach  cearn  de'n  Ghaidhealtachd  agus  de 
gach  seorsia  eaglais ;  muinntir  na  h-eag'lais 
Shaoir  as  an  taobh  tuath  is  muinntir  na  h- 
eaglais  Steidhichte  a  Peairt  is  Earraghaidh- 
eal,  ach  le  sealltuinn  oirnn  agus  sinn  ag  61 
tea  cha'n  aithneadh  tu  c6  againn  a  bha  Saor 
no   CO  a  bha  Daor  ! 

Bu  ch6ir  do  mhuinntiv  na  Gaidhealtachd 
a  bhi  an  comain  nan  daoine  ud  ann  an 
Lunnainn  a  tha  curaail  suas  na  seirbhis 
Ghaidhlig,  oir  cha'n'e  mhain  gu  bheil  i  'gan 
cumail  eolach  air  a  cheile  ach  tha  i  a'  cumail 
dhaoine  oga  gun  e61as  a  chall  air  Dia. 


Air.    1. 


1927. 


A   BHLIADHNA  UR. 

Mar  do  Idithean  is  amJiluidJi.  hhins  do 
Heart. — Deioteronnini,   xxxiii,    25. 

Tha  e  maith  do  dhaoine  daonnaii  gieiiu  a 
dheanamh  air  na  geallaidhean  a  tha  ann  am 
facal  an  Tighearna,  ach  aig  toiseach  na 
bliadhna  gu  sonruichte,  an  uair  a  tha  sinn 
a'  toiseachadh  air  mile  eile  de  thurus  ar 
beatha,  tha  feum  againn  iiile  air  ar  cumh- 
nant  atlmuadhachadh  ri  Dia  agus  ar 
cridheachan  a  mhisneachadh  le  greim  ur  a 
dheanamh  air  na  geallaidhean  priseil  a  thug 
e  dhuinn  'na  fhacal.  Cha'n'eil  suidh- 
eachadh  anns  am  faod  sinn  a  bhith  nach  'eil 
gealladh  ann  am  facal  an  Tighearna  a  tha 
freagarrach  air  ar  son;  cha  bhiodh  na  geall- 
aidhean sin  air  an  sgriobhadh  idir  mur 
biodh  Dia  a'  ciallachadh  gu'm  biodh  iad  air 
an  tagar  leinne  ann   an  Ian  chreideamh. 

Mar  do  laithean  is  ainhluidh  bhios  do 
neart.  Ciod  a  b'  fhearr  na  sin  a  b'  urrainn 
Dia  fhein  a  radh  ruinn  air  la  na  bliadhn' 
iiire !  Bidh  uallach  fein,  agus  a  churam 
fein,  agus  a  bhuaireadh  fein  an  cois  gach  la 
a  thig ;  ach  bidh  gras  an  Tighearna  'n  an 
cois  cuideachd  agus  bidh  a  chumhachd-san 
air  a  dheanamh  foirfe  ann  ar  n-anmhuinn- 
eachd-ne. 

An  uiair  a  sheallas  sinn  air  thoiseach  cha 
'n  ann  idir  air  ar  neart  fein  a  smuainicheas 
sinn  ach  air  ar  laigse  agus  air  ar  neo-chomas. 
Ri  aghaidh  aitheantan  Dhe,  agus  ri  aghaidh 
na  gairme  a  thug  e  dhuinn  ann  an  soisgeul 
a  Mhic,  gairm  gins  ar  beatha  a  chaitheamh 
ann  an  naomhachd  agus  ann  an  seirbhis  a 
rioghachd,  ciod  is  urrainn  sin  a  radh  ach 
so,  "  Co,  a  Thighearna,  a' tha  foghainteach 
chum  nan  nithean  so?"  "  Leasaichidh  mo 
Dhia-sa  bhur  n-uireasbhuidh  uilc,  a  reir  a 
shaoibhreis  ann  an  gloir,    tre  losa   Criosd. " 

Cha  'n  e  gealladh  duine  a  tha  anns  a' 
ghealladh  so  ach  gealladh  Dhe ;  agus  cha 
duine  Dia    gu'n    deanadh  e  breug.  Cha 

teid  Dia  gu  brath  ann  an  cois  fhacail  :  theid 
n^amh  agus  talamh  thairis  ach  cha  teid 
gealladh  Dhe  thairis  a  chaoidh.  C  ar  son 
mata,  nach  earbamaid  as? 

Theagamh  gu'm  bi  ouid  de  laithean  na 
bliadhna  so  deuchainneach  is  goirt  gu 
leoir  do  chuid  againn,  ach  cha  tig  deuchainn 
air  bith  'n  ar  oaraibh  gun  fhios  do  Dhia. 
Na'm  bu  leir  dhuinn  an  diugh  na  dh' 
fhaodas  a  bhi  air  thoiseach  oirnn  mu'n  tig 
a'  bhliadhna  so  gu  crich  ma  dh'  fhaoidte 
gu'm  briseadh  e  ar  cridheachan,  ach  foill- 
sichidh    Dia    a    fhreasdal    agus    a    riiintean 


dhuinn  uigh  ar  n-uigh,  a  reir  mar  is  urrainn 
sinn  an  giiilan.  Cha  choir  duinn  sinn  fein 
a  sharuchadh  le  uallach  air  bith  ach  a  mhain 
ar  n-uallach  lathail  direach  mar  a  theagaisg 
Criosd  dhuinn  gun  urnuigh  a  dheanamh  ach 
air  son  arain  lathail.  Is  leor  do  gach  latha 
uallach  fein. 

Is  e  na  meadhonan  gnathaichte  leis  a  bheil 
Dia  a'  labhairt  ri  daoine  air  thalamh,  am 
Biobull   aguis   an    Spiorad    Naomh.  Mur 

liheil  eolas  aig  daoine  air  a'  Bhiobull 
cha  'n  urrainn  Dia  labhairt  riu ;  co 
dhiu  cha  'n  urrainn  e  labhairt  riu  mar  a 
labhras  e  ris  a'  mhuinntir  sin  aig  a  bheil 
gaol  air  Fhacal,  agus  a  bhios  a'  beachd- 
smuaineachadh  air  a  dh'  oidhche  agus  a  la. 
Bidh  mise  a'  dol  a  mach  agus  a  stigh  am 
measg  dhaoine  aig  amannan  anns  am  bi  feum 
aca  air  comhfhurtachd,  amannan  trioblaid 
agus  broin,  agus  bho  m'  fhiosrachadh  fein 
aig  na  h-amannan  sin  is  urrainn  mi  a  radh 
gu  cinnteach  gur  rud  anabarrach  duilich  e 
toiseachadh  air  comhfhurtachd  a  thoirt  do 
dhuine  air  bith  a  tha  aineolach  air  Facal 
an  Tighearna.  Sin  roinn  de'n  pheanas  a 
tha  tuiteam  orra-san  a  ni  dearmad  air  a' 
Bhiobull,  nach  cluinn  iad  guth  an  Tighearna 
an  uair  a  bhiodh  guth  an  Tighearna  'n  a 
chomhfurtachd  d'  an   anam. 

Tha  cuid  de  gheallaidhean  an  Tighearna 
nach  tuigear  am  mllseachd  gus  am  bi  sinn 
ann  an  dorchadas  no  ann  an  teinn.  Feum- 
aidh  sinn  a  bhi  ann  an  suidheachadh  son- 
ruichte m'  am  faic  sinn  an  saoibhreas  a  tha 
annta.  Ach  air  a  shon  sin  bu  choir  dhuinn 
na  geallaidhean  sin  a  thasgadh  suas  'n  ar 
n-inntinnean  m'  an  tig  an  dorchadas  agus  an 
teinn,  agus  lan  sin  bheir  an  Spiorad  Naomh 
gu  ar  cuimhne  iad  anns  an  la  anns  am  bi 
feum  againn  orra. 

Tha  geallaidhean  anns  a'  Bhiobull  do 
dhaoine  a  tha  air  am  buaireadh  gu  goirt ; 
tha  geallaidhean  ann  do  dhaoine  a  tha  ann 
an  diobhail  misnich ;  tha  geallaidhean  ann 
do  dhaoine  a  tha  ri  uchd  bais,  agus  is  maith 
a'  chluasag  anns  an  oidhche  aon  de  gheall- 
aidhean an  Tighearna.  An  uair  a  thagras 
sinne  gealladh  Dhe  ann  an  Ian  chreideamh 
tha  an  gras  a  tha  air  a  ghealltuinn  ann 
againn  cheana.  Ach  cha  'n  fhaighear  an 
gras  so  gus  am  bith  feum  againn  air  agus 
gus  an  iarr  sinn  e  air  ar  n-Athair  neamhaidh. 

Bho  chionn  beagan  bhliadhnachan  ghairm 
Dia  duine  sonruichte  gu  obair  dhuilich  a 
dheanamh  ann  an  seirbhis  Ghriosd.  Bha 
an  duine  a'  faireachadh  nach  robh  talantan 
gu    le^ir   aige,    is  chuir   sin   eagal   air ;  bha 


2 


e  a'  faireachadh  cuideachd  nach  robh  e 
inaith  gu  leoir,  is  chuir  sin  eagal  a  bu 
inhotha  air.  A  thuilleadh  air  sin  cha  robh 
a  shlainte  gu  ro  mhaith ;  bha  anmhuinn- 
eachd  air  chor-eigin  'n  a  t'heoil  nach  robh 
na  dotairean  a'  tuigsinn.  Ach  bha  a  chridhe 
anns  an  obair  agus  ghabh  e  os  laimh  i,  an 
dochas  gu'n  tugadh  Dia  neart  dha. 

M'  an  tainig  an  t-am  dha  dol  air  oheann 
na  h-obrach  chuir  e  uair  no  dha  dearbhadh 
air  a  neart  fein,  ach  cha  b'  fheairrd  a  mhis- 
neach  sin,  oir  chunnaic  e  nach  robh  ann  ach 
duine  briste.  Chuir  so  dragh  mor  air,  ach 
aon  la  a  bha  e  leis  fhein  agus  e  ag  urnuigh, 
chual  e  mar  gu'm  bioth  Guth  a'  bruidhinn 
ris,  "A  bheil  ihu  deas  air  son  na  h-obrach 
a  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairm  ini  thu?'' 
"Cha'n'eil,  a  Thighearna,"  fhreagair  e;  "cha 
'n'eil  annam-sa  a  nis  ach  duine  ullamh  : 
i-ainig  mi  ceann  mo  ropa."  Thubhairt  an 
Guth  ris,  "  Ma  bheir  th\i  an  t-eagal  sin 
dhomh-sa  agus  ma  stadas  tu  de  bhi  smuain- 
eachadh  air,  gabhaidh  mise  curam  dhiot." 
Fhreagair  an  duine  ann  am  mionaid, 
"  Biodh  sin  'na  chumhnant  eadaruinn,  a 
Thighearna,    bho'n    uair   so." 

Dh'  eirich  an  duine  'n  a  sheasamh  agus  a 
chridhe  Ian  de  shith  Dhe.  Bha  fhios  aige 
gu'n  tug  Dia  dha  an  rud  a  bha  dh'  eas- 
bhuidh  air,  agus  gu  robh  gach  alt  agus 
cnaimh  agus  gach  ball  'n  a  chorp  air  an 
iirachadh  le  beatha  agus  lanachd  beatha.  An 
uair  a  choisicheadh  e  air  an  rathad  bha  e 
cho  aotram  's  gur  gann  a  bha  e  a'  faireach- 
duinn  gu  robh  a  chasan  a'  beantuinn  ris  an 
rathad.  Bha  e  mar  bha  Pol,  gun  fhios  aige 
gu  robh  mhaith  co  dhiu  a  bha  e  amis  a'  cho- 
luinn  idir.  Agus  ged  b'  abhaist  da  a  bhi 
sgith  le  uair  no  dha  de  obair  rachadh  aige  a 
nis  air  leantuinn  air  obair  fad  an  la  agus 
as  deidh  a'  mheadhon-oidhche  gun  fas  sgith 
no  fann.  Bha  e  air  a  lionadh  le  Beatha  agus 
Sith  agus  Fois. 

Theagamh  gu  bheil  cuid  de  dhaoine  nach 
creid  so,  agus  gu'm  feuch  a'  ohuid  a  chreideag 
e  ri  solus  a  chur  air  air  dhoigh  nadurra  as 
aithne  do  Choue  agus  do  na  dotairean,  ach 
coma  leamsa  Coue  agus  na  dotairean  :  tha 
mi  a'  creidsinn  ann  an  Dia  agus  ann  an 
cumhachd  Dhe  :  tha  mi  a'  creidsinn  gu  bheil 
tobraichean  slainte  ann  an  Dia  as  am  faod 
daoine  anfhann  beatha  a  th  arming  cha'n  e 
mhain  d'  an  anam  ach  d'  an  inntinn  agus 
d'  an  corp  mar  an  oeudna.  Cha  ghabh  a 
bheatha  sin  oeannach;  tha  i  r'a  gahhail. 
' '  Dearbhaibh  mi  nis  leis  an  ni  so,  tha 
Tighearna  nan  sluagh  ag  radh,  mur  fosgail 
mi  dhuibh  uinneagan  nan  neamh,  a  dhort- 
adh  a  mach  beannachd  oirbh,  gus  nach  bi 
aite  ann  g'a  chumail." 

An  uair  a  bha  losua  a'  fagail  beannachd  aig 


an  t-sluagh  agus  e  gu  goirid  ri  dol  air  slighe 
na  talmhainn  uile,  thubhairt  e  riu,  tha  fhios 
agaibh  fein  'n  'ur  n-uile  chridhe,  agus  'n  ur 
n-uile  anam,  nach  d'  fhailnich  aon  ni  de  na 
nithibh  maithe  sin  uile  a  labhair  an 
Tighearna  bhur  Dia  d'  ur  taobh  :  thainig  iad 
gu  leir  gu  crich  dhuibhse;  cha  d'  fhailnich 
aon  ni  a  gheall  an  Tighearna  bhur  Dia." 
Cha  'n  fhailnich  gealladh  an  Tighearna  gu 
brath  ;  ma  dh'  fhanas  sinne  ann  an  co- 
chomunn  a  spioraid  agus  ann  an  umhlachd  a 
thoile  bheir  gach  la  de  'n  bhliadhna  fianuis 
dhuinn  gur  fior  am  facal,  il/ar  do  lcdfhea?i 
is  amhluidh  hhios  do  neart- 


CRIOSD    ANNS   NA   H-INNSIBH. 

An  la  roimhe  leugh  mi  leabhar  beag  mu 
obair  an  t-soisgeil  anns  na  h-Innsibh  an  Ear, 
agus  thug  an  leabhar  uiread  toileachaidh 
dhomh  agus  uiread  iirachaidh  do  mo  chreid- 
eamh  agus  gu'm  bu  mhaith  leam  a  mholadh 
do  dhaoine    eile  air   an    duilleig  so.  Is  e 

ainm  an  leabhair,  Griosd.  air  rathad-mdr  nan 
Innsean,  agus  ainm  an  fhir  a  sgriobh  e,  E. 
Stanley  Tones,  soisgeulaiche  Americanach  a 
chaidh  do  na  h-Innsean  a  chosnadh  anamanna 
d'a    Mhaighstir. 

Tha  e  soilleir  gu  leor  bho  na  nithean  a 
leughar  ann  an  leabhar  so  gur  e  gradh 
Chriosd  a  chomh-eignich  e  a  dhol  do  na 
h-Innsean  air  thurus  an  t-soisgeil,  ach  cha'n 
'e  mhain  gu  bheil  gradh  Chriosd  'na  chridhe 
ach  tha  gliocas  agus  irioslachd  ann  cuideachd. 
Agus  tha  feum  aig  missionairidhean  air 
gliocas  agvis  air  irioslachd  :  cha'n'eil  iad  a' 
dol  am  measg  nan  cinneach  mar  thigh- 
earnan  os  an  cionn  ach  mar  dhream  a  tha 
'n  an  eisempleiribh  agus  'n  am  fianuisean 
air   taobh  Chriosd. 

Cha  mho  a  tha  iad  a'  dol  am  measg  nan 
cinneach  a  dhiomoladh  gnaths  no  cleach- 
danna  no  creideamh  an  aithrichean  :  tha  iad 
a'  dol  thuca  gus  coslas  Chriosd  a  leigeil 
fhaicinn  daibh  agus  teagasg  Chriosd  innseadh 
dhaibh,  an  dochas  gu'n  dean  an  Spiorad 
Naomh  an  corr,  ''  gu'n  gabh  e  de  nithean 
Chriosd  agus  gu'n  toir  e  dhaibh  iad." 

Tha  cleachdadh  aca  anns  na  h-Innsibh  aig 
posaidhean    a   bha    againn    anns    a'    Ghaidh- 
ealtachd     anns    na    seann     laithean  :      bidh 
cairdean    bean-na-bainnse    a'    dol    dhaqhaidh 
leatha    gu    tigh    a    fir.  Cuiridh    iad     an 

lathair  a  ceile-posda  i,  ach  na's  fhaide  na  sin 
cha  'n  fhaod  iad  dol  :  theid  iad  air  an  ais 
agus  fagaidh  iad  iad  comhla.  "  Sin  di- 
reach,"  arsa  Stantey  lones,  "  an  rud  a  tha 
againne  ri  dheanamh  anns  na  h-Innsibh; 
Criosd  agus  na  h-Innsean  a  dheanamh  aith- 
nichte  d'a  cheile,  agus  an  sin  am.  fagail 
comhla,   ag  earbsadh  nan  Innsean   ri   Criosd 


agus  ag  earbsadh  Chriosd  ris  na  h-Iiinsibh." 

Anns  an  leabhar  iso  tlia  e  ag  inn«eadli  gu 
saor  niu  uihearachdaii  a  I'inn  e  an  uair  a 
chaidh  e  a  null  an  toiseacli.  Bhiodh  cuid 
/de  na  sgoilearan  Hinduach  agiis  Mohamed- 
anach  a'  feuchainn  li  ceistean  duilich  a  chur 
air  mu  nithean  neonach  a  gheibliear  anns 
an  t-seann  Tionnuidh  ;  mu  nithean  a  rinn  an 
eaglais  Chriosduidh  agus  a  tha  i  a'  dean- 
amh  fhathast  nach  'eil  a  ]eir  teagasg 
Chriosd;  mu  bheatha  Cliriosduidhean  anns 
na  duthchannan  a  ghabh  ris  an  t-snisgeil  ; 
agus  ceistean  duilich  eile  de  'n  t-seursa  sin 
leis  an  robh  e  furasda  dhaibh  a'  ghlas-ghuib 
a  chur  air.  Bha  e  an  duil  an  toiseach  gu'm 
feumadh  e  seasamh  suas  air  taobh  an 
t-seann  Tiomnaidh  agus  air  taobh  gnaths 
nan  rioghachdan  Criosduidh  mar  gu'm 
biodli  an  Creideamh  Criosduidh  ann 
an  cunnaj't  na'n  aidicheadh  e  nach  b' 
urrainn  e  an  seasamh.  Tha  e  ag  radh 
g\i'n  do  chuir  so  dragh  mor  air,  ach 
air  dheireadh  thall  chunnaic  e  nach  ann  anns 
na  nithean  sin  a  bha  bun  a'  ghnothuich  idir, 
agus  I'inn  e  suas  inntinn  gu'n  deanadh  e 
mar  a  rinn  iomadh  sgiobair  ann  an  stoirm, 
gu'n  tilgeadh  e  a  mach  a  h-uile  unnsa  de'n 
luchd  a  bha  e  a'  giulan  ach  a  mhain  aon  ni, 
an  rud  a  bha  na  bu  phriseile  na'n  corr  uile. 
Rinn  e  suas  inntinn  nach  gabhadh  e  gnoth- 
uch  ris  an  t-Seann  Tiomnadh,  no  ris  na 
ceistean  a  tha  e  a'  togail,  agus  gu'n  seach- 
nadh  e  gach  rud  eile  ach  Criosd  a  mhain. 

Tha  e  duilich  do  Chriosd  rathad  reidh 
fhaotainn  d'a  chasan  anns  na  h-Innsibh  an 
Ear  :  tha  e  duilich  do  theachdairean  an  t- 
soisgeil  cluas  agus  cridhe  na  diithcha  a 
ghlacadh.  Tha  fichead  rud  a'  seasamh  'n 
an  aghaidh ;  cuid  dhiubh  air  a  bheil  fhios 
ag"ainn ;  cuid  eile  air  nach  'eil  fhios  againne 
idir ;  agus  theagamh  cuid  nach  bu  mhaith 
leinn  ainmeachadh  ged  a  bhiodh  fhios  againn  orra. 

Abair  nach  cuala  Evan  Williams  no  Tigh 
nam  Morairean  an  soisgeal  riamh,  agus  gu'n 
deachaidh  Mghr.  A.  Cook,  ceann-feadhna  nan 
gualadairean,  air  thurus  soisgeulach  thuca, 
a  thogail  suas  Chriosd  fa  chomhair  an  sid, 
an  saoil   thu    gu'n  creicleadh    iad  el  Am 

biodh  aile  cubhraidh  de'n  ainm  naomh  bho 
na  bilean  sin?  Na'n  rachadh  am  Morair 
Birkenhead  gu  coinneamh-urnuigh  maille 
ris  na  Braithrean  (na  Quakers)  agus  na'n 
searmonaicheadh  e  dhaibh  gun  an  lamh  a 
thogail  a>n  aghaidh  lulc,  ciod  a  theireadh  iad  1 
Na'n  deachaidh  Carnegie  nach  maireann,  no 
Rockfeller,  a  shearmonachadh  do  dhaoine 
bochda  ann  an  cid-shraidibh  iad  a  bhi  toil- 
ichte  'n  am  bochdainn  a  chionn  gu  robh  iad 
saor  is  iomadh  buaireadh  ciod  an  t-eisd- 
eachd  a  gheibheadh  iad  1 

Sin    cuid   de    na   duileadasan     a     tha     aig 


Criosd  agus  a  shoisgeul  ri  cothachadh  'n  an 
aghaidh  anns  na  h-Innsean.  Tha  e  air  a 
shearmonachadh  dhaibh  le  daoine  nach  'eil 
iad  a'  faireachduinn  gur  braithrean  iad. 
Tha  e  air  a  shearmonachadh  dhaibh  le 
daoine  geala,  daoine  aig  a  bheil  tighearnas 
thairis  orra,  agus  air  uairean  ain-tigh- 
earnas.  A  dh'  aindeoin  a'  bhraithreachais 
a  tha  a'  chuid  mhor  de  na  missionaraidhean 
a'  nochdadh  dhaibh,  agus  a  dh'  aindeoin 
ooslas  na  diadhaidheachd  a  tha  iad  a' 
faicinn  air  cuid  de  na  daoine  geala,  tha  iad 
a'  faicinn  agus  a'  faireachadh  iomadh  rud 
eile  ann  an  giidan  nan  daoine  geala  a  tha 
'g  an  cur  an  aghaidh  an  t-soisgeil.  Cha  'n 
urrainn  daibh  sealltuinn  air  Criosd  ann  an 
solus  a  mhaise  fein  no  mar  Shlanuighear  an 
t-saoghail  :  tha  iad  a'  sealltuinn  air  mar 
Shlanuighear  nan  daoine  geala,  air  a  thairg- 
sinn  daibhsan  mar  a  thatar  a'  tairgsinn 
daibh  ootan  is  iarunn.  Tha  iad  a'  cluinn- 
tinn  nam  missionaraidhean  a'  bruidhinn  air 
Criosd  mar  Phrionnsa  na  Sithe,  an  Tighear- 
na  anns  a  bheil  iad  a'  creidsinn  agus  d'a 
bheil  iad  a'  deanamh  aoraidh,  ach  air  an 
laimh  eile  tha  Prionnsa  na  Sithe  air  a  shear- 
monachadh dhaibh  le  rioghachdan  a  tha  an 
lamhan  dearg  le  full  bho  chionn  nan  ceudan 
bliadhna.  Cluinnidh  iad  na  missionaraidh- 
ean a'  bruidhinn  air  an  atharrachaclh 
ghlormhor  a  ni  Criosd  ann  am  beatha  nan 
daoine  a  chreideas  ann,  ach  an  uiair'  a  thig 
uaislea.n  is  sgoilearan  Innseainach  do 
Bhreatunn  cha'n  fhaic  iad  gu'n  do  rinn  e 
atharrachadh  glornd"ioi-  air  bith  'n  ar  bail- 
tean  fein  :  chi  iad  ann  an  Lunnainn  agus 
ann  an  Glaschu  drongaireachd  is  aingidh- 
eachd  a  chuireas  goirisinn  air  am  feoil. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  spiorad  an  Tighear- 
na  ag  oibreachadh  anns  na  h-Innsibh.  A 
dh'  aindeoin  gu  bheil  sinne  agus  rioghach- 
dan eile  a'  toirt  oilbheum  do  aobhar  Chriosd 
agus  'g  a  chumail  air  ais  le  ar  feinealachd 
agus  le  ai'  cleachdanna  peaoach  tha  gTian 
Chriosd  ag  eirigh  anns  an  aird  an  Ear,  agus 
tha  iomadh  duine  diadhaidh  anns  na  h-Inn- 
sean  a'  feitheamh  ri  shlainte  an  diugh  air 
son  an  diithcha  mar  bha  Simeon  a'  feitheauih 
ri  shlainte  air  son  Israel. 

Mar  is  bitheanta  is  ann  am  measg  nan 
daoine  aineolach  agus  nan  daoine  bochda  a 
tha  na  missionaraidhean  a'  dol,  ach  tha 
Mghr.  Stanley  Tones  a'  feuchainn  ri  aire 
nan  daoine  ionnsaichte  a  ghlacadh,  agus 
cinn-feadhna  an  t-sluaigh.  Cha'n'eil  e  a' 
gabhail  air  a  bhi  os  an  cionn  ann  an 
doigh  air  bith  :  cha  mho  a  bhios  e 
ag  i-adh  dad  riu  mu'n  chreideamh  aca  fein  : 
tha  e  a'  togail  suas  Chriosd  m'  an  ooinneamh 
agus  a'  leigeil  leis-san  agus  le  fhacal  bruidh- 
inn ri  an  cridhe  agTxs  ri  an  coguis.     Tha  e 


a'  feuchainn  ri  Ciiosd  a  nochdadh  dhaibh, 
cha  'n  anil  air  dlii-each  no  ami  an  audacli 
na  h-aird  an  lar  aeli  air  dlireacli  agus  aim 
an  aodach  nan  Innsean.  Aoh  fad  na  h-iiine 
is  6  an  t-aon  Chriosd  a  tha  ann  ;  co  dhiu  a 
chithear  e  a'  coiseachd  air  rathaidean-mora 
Ghalile  no  air  ratliaidean-iuora  nan  Inn- 
sean. 

Tha  moran  dhaoine  ami  aig  nach  'eil  gaol 
idir  air  obair  nam  missionaraidliean, 
leithidean  a'  Mhorair  Inchcape  a  thubliairt 
an  la  roimhe  gur  e  na  missionaraidliean  as 
aobhar  do'n  iorghuill  a  tha  ann  an  China, 
an  tomhas  mor.  Their  iad  gu  bheil  muinn- 
tir  nan  duthchannai  thall  a'  faotainn  air  an 
aghaidh  maith  gu  leor  gun  Chriosd.  Cha'n 
'eil  sin  fior.  Gun  Chriosd  cha'n  urrainn 
daoine  faotainn  air  an  aghaidh  amis  an  t- 
seadh  is  airde,  oir  is  e  Criosd  a  bheatha, 
beatha  an  anaina.  Tha  iomadh  rud  maith 
ann  an  creideamh  nan  Hinduach  agus  ann  an 
creideamh  Mhohammed  ach  eha'n'eil  Criosd 
annta,  agus  is  e  Criosd  Slanuighear  an  t- 
saoghail.  Cha'n'eil  Slanuighear  eile  ann  ach 
E.  Ma  tha,  c'  aite  a  bheil  e,  no  c'  aiiim  a 
tha  air  1 

Tha  Criosd  gun  teagamh  ag  oibreachadh 
anns  an  eaglais  agus  tha  a  sholus  ri  fhaicinn 
anns  an  eaglais,  ach  tha  e  ag  oibreachadh 
an  taobh  a  muigh  de  'n  eaglais  cuideaohd, 
agus  tha  a  sholus  ri  fhaicinn  am  measg  nan 
cinneach.  Tha  moran  dhaoine  an  diugh  a 
bhuineas  do'n  chreideamh  Hinduach  anns  a 
bheil  barrachd  de  spiorad  agus  de  inntinn 
Chriosd  na  tha  ann  an  cuid  de  shluagh 
Eaglais  na  h-Alba.  Ged  nach  do  dhealaich 
iad  ris  a'  ohomunn  anns  an  do  rugadh  iad 
tha  iad  a'  leughadh  an  Tiomnaidh  Nuadh  ; 
tha  urram  aca  do  Chriosd  agus  tha  iad  a' 
leanntuinn  a  theagaisg.  Anns  an  leabhar  a 
dh'  ainmich  mi  cheana  tlxa  Stanley  Tones  ag 
radh  gU'  robh  la  ann  anns  nach  b' urrainn 
muinntir  nan  Innean  dealachadh  a  chur  eadar 
Criosd  agus  an  Eaglais  Chriosduidh  :  bha 
iad  a'  diultadh  gabhail  ri  Criosd  a  chionn 
nach  bu  toigh  leo  an  Eaglais  Chriosduidh, 
ach  an  diugh  theid  aca  air  dealachadh  a 
chur  eadar  an  da  ni,  agus  tha  iad  a'  gabh- 
ail ri  Criosd  gu  toileach  ged  nach  gabh  iad 
idir   ris  an  eaglais.  Chuir  Brahman  son- 

ruichte  a  bha  'n  a  dhuine  ionnsaichte  agus 
'n  a  dhuine  naomh  a  lamh  air  gualainn  a' 
mhissionaraidh  aon  la,  is  thuirt  e  ris,  "Thea- 
gamh  gu  bheil  thu  duilich  nach  'eil  thu  »' 
faicinn  barrachd  dhinne  ag  aideachadh  a' 
Chreidimh  Chriosduidh.  Ach  cha  ruig  thu 
leas  :  cha'n'eil  fhios  agad  gu  de  cho  fada 
agus  a  tha  an  soisgeul  agaibh  a  nis  air  dol. 
Theireadh  tusa  Brahman  rium-sa  ach  their- 
inn-sa  Brahman  Criasduidh  rium  fhein,  oir 
tha   mi     a'     steidheachadh    mo    bheatha    air 


teagasg  agus  spiorad  Chriosd,  agus  ged  a 
dh'  fhaodas  nach  tig  mi  a  iiiach  gu  brath  a 
measg  mo  dhaoine  tha  mi  a'  leantuiiiii 
Chriosd  ar  a  slion  sin." 

Is  e  a  tha  Mghr.  Stanley  loiies  ag  radh 
uime  sin,  "Cha  robh  mise  duilich:  is  mi 
nach  robli  :  bha  ceol  is  gairdeachas  'n  am 
chridlie,  oir  bha  mi  a'  faicinn  mo  Thighear- 
iia  a'  dul  a  steach  truimli  dhoi'san  duinte 
mar  riiin  e  roimhe,  a'  nochdadh  a  lamhan 
agus  a  tliaobh,  agus  a'  labhairt  sithe  ri  deis- 
cioliuil   nach  b'  aithne  dhoiiih." 


AN  T-AINM  NAOMH. 

B'e  so  an  tiotal  a  chuir  Spurgeon  os  cionn 
aon  de  na  searmoin  a  b'  fhearr  a  liubhair  e 
riamh.  Cha'n'eil  aite  agaiiin  air  an  duilleig 
so  do'n  t-searmon  sin  air  fad,  ach  faodar 
crioman  beag  dheth  a  chur  sios,  oir  tha 
brigh  is  beatha  ann  am  briathran  Spurgeon 
daonnan.  "An  uair  a  tha  gaol  againn  air 
neach  air  bith,"  thubhairt  e,  "tha  gach  ni 
a  bhuineas  do'n  neach  sin  measail  'n  ar 
suileaii  air  a  sgath.  Tha  ainm  an  Tighearna 
losa  cho  ionmhuinn  ann  an  siiilean  chreid- 
mheach  's  gu  bheil  gach  ni  a  bhuin- 
eas dha  na's  luachmhoire  na'n  t-or. 
Tha  na  h-aitean  air  an  do  choisich  a 
chasan  naomha,  na  briathran  a  labhair  na 
bilean  noamha,  na  smuaintean  a  gheibhear 
'n  a  fhacal, — tha  iad  uile  priseil  'n  ar  sealladh 
OS  cionn  gach  aite  agus  facal  eile  fo'n  ghrein. 
Tha  so  fior  ouideachd  a  thaobh  ainmeaii 
Chriosd  ;  tha  iad  uile  binn  is  maiseach  ann 
an  cluasan  a'  chreidmhich.  Co  dhiu  a  their- 
ear  ris  Ceile,  no  Caraid,  no  Nuadh  fhear- 
posda  na  h-eagiais ;  co  dhiu  a  bheirear  dha 
mar  thiotal,  an  t-Uan,  no  an  Righ,  am  Faidh, 
no  an  Sagart,— tha  gach  ainm  dhiubh  milis 
a  chionn  gu  bheil  e  fein  milis  agus  maiseach; 
Shiloh,  Emanuel,  an  t-Iongantach,  Comh- 
airliche,  Prionnsa  na  Sithe,— tha  gach  ainm 
a  bheirear  dha  mar  gu'm  biodh  cir-mheala 
as  a  bheil  mil  a'  sruthadh.  Ach  ma  tha  aon 
ainm  as  milse  na  gach  ainm  eile,  is  e  ant- 
ainm  sin  losa.  losa  !  sin  an  t-amm  a  chuir- 
eas  ceol  ann  an  clarsaichean  nan  neamh  : 
oran  maiseach  ann  an  aon  fhacal ;  an  t-amm 
beannaichte  a  bhios  iadsan  uile  a  fhuair 
beannachd  ann  a'  beannachadh  gu  sior- 
ruidh." 

losa !  'n  t-ainm  a  tha  ion-ghraidh  !^ 
'N  t-ainm  os  cionn  gach  ainm  tha  ard  ! 
Liibaidh  dha  gach  uile  ghliin, 
Sios  le  umhlachd  anns  an  iiir. 
losa !  'n  t-ainm  os  cionn  gach  luach 
Do  gach  peacach   diblidh,   truagh, 
Bho'n  a  dh'   innseadh  an  deagh  sgeul 
"  Saoraidli  Tosa  shluagh   gu  loir." 


Air.  2. 


1927. 


FOSGLADH  NAN  SUL. 

Mur  eisd  iad  ri  Man  is  agus  ris  na  fdidh- 
ean,  cha  mhd  a  chreideadh  iad  ged  dh'  eireadli 
iieach  0  na  viairhh. — Lucas  xvi.   31. 

Ann  an  aon  seadh  tha  am  bao  a'  dunadh 
suilean  dhaoine  ach  ann  an  seadh  eile  tha  e 
'g  am  fo.sgladh.  Anns  a'  chosmhalachd  so 
tha  losa  ag  innseadh  dhuinn  mu  dhuine 
saoibhir  a  dhuin  a  shuilean  anns  an  t-saoghal 
so  air  chor  agus  naeh  fhaca  e  rianili  Lasaius, 
ged  bha  e  a'  dol  seachad  air  a  h-uile  latha 
agus  e  'n  a  laighe  aig  a  dhorus,  Ian 
de  ehreuchdan,  ach  a  fhuair  a  shiiilean 
fhosgladh  an  uair  a  chaidh  e  a  steach  do'n 
t-saoghal  eile. 

Tha  moran  de  theagasg  cudthromach  mu 
thimchioU  an  t-saoghail  thall  air  fhilleadh  a 
steach  anns  a'  chosmhalachd  so  :  tha  e  air  a 
theagasg  ann  gu'ju  faigh  daoine  anns  an  t- 
saoghal  eile  toradh  an  deanadais  anns  an 
t-saoghal  so;  gu'm  bi  cuid  a  bha  air  thoiseach 
an  so  air  dheireadh  an  sud,  agus  cuid  a  bha 
air  dheireadh  air  thoiseach.  Ach  cha'n  ann  air 
na  nithean  sin  a  bu  mhaith  learn  tighinn 
thairis  an  drasd,  ach  air  an  duil  agus  an 
dochas  a  bha  aig  an  duine  shaoibhir  gu'n 
gabhadh  a  bhraithrean  rabhadh  na'n  rachadh 
teachdaire  thuca  o  na  mairbh. 

Theagamh  gu  robh  e  an  duil  nach  biodh  e 
fhein  cho  amaideacli  's  a  bha  e  na'n  robh  an 
soisgeul  air  a  shearmonachadh  dha  le  ain- 
geal  ;  ach  co  dhiu  clh'  iarr  e  mar  fhabhar  gu'm 
biodh  teachdaire  bho  na  mairbh  air  a  chur 
gu  tigh  athar,  gus  fianuis  a  thoirt  d'a 
bhraithrean  air  eagal  gu'n  deanadh  iadsan 
a'  cheart  mhearachd  a  rinn  e  fhein. 

"Tha  Maois  agus  na  faidhean  aca," 
thubhairt  Abraham  ris,  "  eisdeadh  iad- 
riusan. " 

Ach  thubhairt  esjan,  "Ni  h-eadh,  Athair 
Abraham  :  ach  ma  theid  aon  'g  an  ionnsuidh 
o  na  mairbh  gabhaidh  iad  aithreachas." 

Agus  thubhairt  e  ris,  "  Mur  eisd  iad  ri 
Maois  agus  ris  na  faidhean,  cha  mho  a  chreid- 
eadh iad  ged  dh'  eireadh  neach  o  na  mairbh." 

Ciod  do  bheachd  fhein,  a  leughadair,  air 
a'  chomhradh  so  agus  air  an  argumaid  so? 
Co  aca  bha  ceart,  an  duine  saoibhir  no  Abrahami 

Is  e  their  mise  co  dhiu,  gu  bheil  mo  reusan 
agus  mo  choguis  agus  fiosrachadh  mo  bheatha 
uile  gu  leir  air  taobh  Abrahaim  agus  an 
aghaidh  beachd  an  duine  shaoibhir.  Tha  an 
sgriobtiir  air  a  thaobh  cuideachd,  agus 
fianuis  an  Spioraid  Naoimh; — tha  iad  uile 
ag  innseadh  nach  biodh  feum  air  bith  ann 
neach   a  chur  o  na   mairbh  a  dh'  ionnsuidh 


nam     braithrean     ud     no     gu     daoine     neo- 
dhiadhaidh  ©ile. 

Ciod  an  leth-sgeul  nach  gabh  daoine,  'g  am 
fireanachadh  fhein  air  son  an  dearmaid  a  tha 
iad  a'  deanamh  air  cor  an  anama  !  Cuiridh 
iad  a'  choire  air  an  rud  ud  agus  air  an  rud 
ud  eile;  air  a  h-uile  rud  ach  air  an  amaideas 
fein.  Cuiridh  iad  a'  choire  air  am  paran- 
tan,  no  air  an  luchd-teagaisg,  no  air  an 
eaglais  d'  an.  robh  iad  a'  dol;  their  iad  nach 
d'  innseadh  dhaibh  gu  ceart  no  gu  soilleir 
na  nithean  a  bhuineas  d'  an  sith  agus  nach 
robh  meadhonan  freagarrach  air  an  cleachd- 
adh  gus  an  suilean  fhosgladh. 

Theagamh  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  sin, 
ach  fad  na  h-uine  tha  iad  'g  am  mealladh 
fein ;  na  cluasan  nach  cluinn  guth  Mhaois, 
no  guth  Spurgeon  no  guth  Mhic  Cheyne;  no 
guth  soisgeulaiche  eile  a  shearmonaicheas  an 
soisgeul  daibh,  cha  chluinneadh  agus  cha  'n 
eisdeadh  iad  ged  dh'  eireadh  Eoin  a'  Bhais- 
tidh  0  na  mairbh. 

Bha  Lasurus  air  a  thogail  o  na  mairbh,  ach 
a  reir  choslais  cha  do  dhuisg  an  rud  midr- 
bhuileach  sin  an  dara  cuid  aithreachas  no 
creideamh  ann  an  cridheachan  a  choimh- 
earsnach. 

Tha  na  meadhonan  coitchionn  a  thug  Dia 
dhuinn  'n  a  Fhacal  agus  'na  Eaglais  com- 
asach  air  ar  suilean  fhosgladh  agus  e61as  na 
beatha  maireannaich  a  thoirt  duinn  ma  tha 
sinn  a'  deanamh  feum  ceart  diubh ;  nla 
chuireas  sinn  na  meadhonan  sin  an  suar- 
rachas  chuireamaid  an  suarrachas  minis- 
trealachd  nan  ainglean  fein.  Mur  bheil  a' 
chinas  a  chluinneas  agus  an  cridhe  a  thuigeas 
aig  duine  e  fhein  is  coma  dha  co  dhiii  a 
labhras  }-is  am  beo  no  am  marbh. 

Co  is  urrainn  creideamh  no  aithreachas  a 
dhiisgadh  ann  an  duine  nach  'eil  air '  son 
creidsinn,  agus  nach  'eil  air  son  aithreachas 
a   dheanamh  1  Na'n  tigeadh   an  t-aingeal 

Gabriel  a  dh'  ionnsuidh  a  leithid  sin  de 
dhuine,  no  am  faidh  leremiah  nach  'eil  beo, 
saoil  thu  an  gabhadh  e  riu  ?  Cha  ghabhadh 
idir  ;  theireadh  e  nach  robh  annta  ach  droch 
spioradan  a  bha  dol  an  riochd  ainglean  agus 
an  riochd  fhaidhean.  Rachadh  e  ann  an 

argumaid  riu,  a  dhearbhadh  dha  fein  agus 
dhaibhsan  nach  robh  annta  ach  na  tamhaisg, 
agus  nach  'eil  daoine  an  diugh  a'  creidsinn 
ann  an  tamhaisg,  agus  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  chuireadh  e  an  teachdaireachd  an 
suarrachas  mar  tha  e  a'  cur  a  h-uile  searmon- 
achadh  a  chluinneas  e  an  suarrachas. 

Linn  an  deidh  linn  rinn  Dia  nithean  mora 
agus  nithean  mioi^bhu iieach  air  son  a  shiuagh 


taghta  feiu ;  ach  linn  as  deidh  linn  chuir 
clann  Israeli  an  suarrachas  gniomhaian  ion- 
gantach    lehobhah.  Na  ceart    dhaoine     a 

chunnaic  an  fhairge  air  a  sgoltadh  le  cumh- 
achd  Dhe  agus  a.  fhuair  an  acras  a  chasg  le 
mana  o  neamh,  chuir  iad  teaganih  ann  an 
gliocas  agus  ann  an  cumhachd  Dhe.  Rinn 
Dia.  mile  gniomh  trocaireach  air  an  sgath,  a 
dhearbhadh  dhaibh  gu  robh  a  lamh  'gan 
treorachadh,  ach  cha  d'  fhuadaich  sin  an 
t-as-creideamh     as    an    cridheachan.  Dhl- 

chuimhnich  iad  na  h-oibre  agus  na  iongan- 
tasan  a  rinn  e ;  dhichuimhnich  iad  an  neul  a 
chaidh  romhpa  anns  an  la  agus  solus  an  teine 
anns  an  oidhche,  agus  bhuair  agus  bhros- 
naich  iad  an  Dia  as  airde. 

Thachair  an  ni  ceudna  an  uair  a  chuir  Dia 
a  mhac  do'n  t-saoghal.  Rinn  Criosd  mior- 
bhuilean  a  bha  mor  agus  iongantach ;  chois- 
ich  e  air  an  fhairge ;  dh'  fhosgail  e  siiilean 
nan  dall ;  chuir  e  smachd  air  deamhain  agus 
air  feartan  Naduir  nach  b'  urrainn  do  dhuine 
eile  a  chiosnachadh ;  dhiiisg  e  na  mairbh,  ach 
ged  chunnaic  moran  dhaoine  na  miorbhuilean 
sin  cha  do  dhuisg  iad  creideamh  slainteil  ach 
ann  am  fior  bheagan  :  thubhairt  each  gu 
robh  e  a!  tilgeadh  a  mach  dheamhan  le  Beelse- 
bub,    Prionnsa  nan    deamhan.  "  An    sin 

chruinnich  na  h-ard  shagartan  agus  na 
Phairisich  comhairle  agus  thubhairt  iad, 
Ciod  a  tha  sinn  a'  deanamh  ?  oir  tha  an  duine 
so  a'  deanamh  moran  mhlorbhuilean  :  uime 
sin  o'n  Id  sin  a  mach,  chuir  iad  an  comhairle 
r'a  cheile.  chum,  esan  a  chur  gu  has.  Sin  agad, 
a  leughadair,  rud  as  fhiach  dhuit  smuain- 
eachadh  thairis  air  ma  tha  thu  an  diiil  gu'n 
deanadh  daoine  aithreachas  na'n  robh  an 
soisgeul  air  a  shearmonachadh  dhaibh  le 
teachdaire  o'n    t-saoghal  eile.  Chuala  na 

h-Iudhaich  a  leithid  sin  de  theachdaire  ach 
an  aite  aithreachas  a  dheanamh  rinn  a'  mhor- 
chuideachd  dhiubh  tair  agus  magadh  air, 
agus  air  a'  cheann  niu  dheireadh  cheus  iad  e. 

Ciod  air  bith  as  aobhar  da,  cha'n'eil  buan- 
nachd  spioradail  air  bith  ann  do  dhaoine 
miorbhuilean  fhaicinn ;  cha'n  atharraich 
miorbhuilean  an  cridheachan  no  an  caitheamh- 
beatha.  An  ti  a  bha  eucorach  m'am  faca  e 
iad  bidh  e  eucorach  an  deidh  dha  am  faicinn, 
agus  an  ti  a  bha  salach  bidh  e  salach  a  dh' 
aindeoin  na  chunnaic  e.  Cha'n  ann  mar  sin 
idir  a  tha  aithreachas  agus  creideamh  agus 
aignidhean  diadhaidh  air  an  dusgadh  anns 
an  anam.  Is  ann  air  mhodh  spioradail  a 
thuigear    nithean     spioradail.  Mur    eisd 

daoine  ri  guth  caol  ciiiin  an  coguis  no  ri  guth 
oaol  ciuin  an  Spiorad  Naoimh  cha'n  eisdeadh 
iad  ri  guth  a'  mhairbh. 

Theagamh  gu'n  cuireadh  guth  a'  mhairbh 
crith  'n  am  feoil  fad  iiine  bheag,  ach  dh'  fhal- 
bhadh  a'  chrith  agus  an  t-eagal,  agus  bhiodh 


iad  an  deidh  laimhe  mar  bha  iad  riamh. 
Na'n  deanadh  crith  no  clisgeadh  daoine  a 
dhusgadh  agus  a  thearnadh  thatar  a'  faotainn 
clisgidhean  gu  leor  ann  am  freasdal  an 
Tighearna.  Gach  seachduin  d'  ar  beatha  tha 
sinn  a'  faotainn  rabhaidhean  soluimte  leis  a' 
bhas  gu  bheil  ar  beatha  air  thalamh  goirid 
agus  neo-chinnteach,  agus  gu'm  biodh  e  glic 
dhuinn  ar  tigh  a  chur  an  ordugh.  Ach  ged 
a  bheir  na  rabhaidhean  sin  air  daoine  clis- 
geadh, mar  a  chlisgeadh  iad  na'n  cluinneadh 
iad  guth  o  na  mairbh  (oir  ciod  a  tha  annta 
ach  guthan  o'n  uaigh)  dichuimhnichidh  iad 
iad  ann  am  beagan  iiine  agus  duinidh  iad 
an  siiilean  mar  rinn  an  duine  saoibhir  so,  gus 
mu  dheireadh  am  beir  am  bas  orra  mar  a  rug 
e  airsan,  gun  aithreachas,  gun  Dia,  gun 
dochas. 

An  t-aithreachas  a  ni  duine  anns  an 
t-saoghal  so  tha  e  eifeachdach  is  slainteil,  ach 
an  t-aithreachas  a  ni  duine  anns  an  t-saoghal 
eile  cha'n'eil  ann  ach  goirteas-coguis  agus 
buaireas-spioraid  nach  basaich  gu  siorruidh. 

Bha  an  duine  ud  'ga  chunntas  fhein  an  da 
chiiid  glic  agus  saoibhir,  ach  cha  do  rinn  a 
ghliocas  agus  a  shaoibhreas  ach  a  shuilean  a 
dhunadh  agus  a  chridhe  a  mhealladh.  Is  e 
tus  a'  ghliocais  eagal  an  Tighearna,  agus  an 
saoibhreas  as  fhearr  a  bhi  saoibhir  an  creid- 
eamh, an  dochas,  agus  an  gradh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

An  cual  thu  riamh  am  facal  so,  a  leugh- 
adair; "  muT  dean  e  la  a  bhuain  a'  choirce 
ni  e  la  a  bhuain  nan  cno."  Sin  agad  faoal  a 
bhios  mise  ag  radh  gu  bitheanta  rium  fhein, 
an  uair  a  dh'  fheumas  mi  na  chuir  mi  romham 
anns  an  oidhche  a  leigeil  dhiom  anns  a' 
mhaduinn,  agus  lamh  a  chur  ann  an  gnoth- 
uch  eile. 

Mios  roimh  NoUaig  bha  fior  dhroch  shid 
ann  fad  seachduin,  agus  ged  bha  e  air  na 
claraibh  agam  a  h-uile  la  de'n  t-seachduin  ud 
a  chur  seachad  air  m'  achaidhean  farsuing, 
eadar  Srath-Teamhuil  agus  Treanafur,  eadar 
Dalnaspideal  agus  Gleann-Teilt,  a'  buain 
coirce  a  bha  air  fhagail  ro  fhada  air  an  raon, 
b'  fheudar  dhomh  an  seorsa  buana  sin  a  leig- 
eil dhiom  agus  tionndadh  ris  na  cnothan. 

Bha  an  t-sid  cho  searbh  's  nach  d'  fhag  mi 
mo  thigh  no  mo  chathair  fad  da  latha,  ach 
mar  is  dluithe  duine  do'n  teine  is  ann  is 
dliiithe  e  do'n  choille-chno,  oo  dhiu  do'n 
choille-chno  as  fhearr  is  aithne  dhomhsa. 
Agus  ciod  am  feum  a  tha  ann  do  dhuine  dol 
do'n  choille-chno  idir  mur  toir  e  do  dhaoine 
eile  cuid  de  na  cnothan  a  chruinnich  e? 

An  da  la  ud  a  bha  mi,  mar  gu'm  b'  eadh, 
ri  port,  leugh  mi  tri  leabhraichean  ura ; 
leabhar  mor  ann  an  da  phairt   a  bha  air  a 


sgrlobhadh  le  Asquith,  no  am  Morair  Oxford 
mar  theirear  ris  a  nis;  leabhar  a  bha  air  a 
sgrlobhadh  le  Deadhan  Inge ;  agus  leabhar 
a  bha  air  a  sgrlobhadh  leis  a'  Mhorair  Grey, 
no  Sir  Edward  Grey,  an  t-ainm  fo'n  fhearr 
is  aithne  dhuinn  e. 

Tha  leabhar  Asquith  mar  bha  fhios  agam 
a  bhitheadh  e,  glic  agus  uasal ;  tha  e  ag  inn- 
seadh  eachdraidh  nan  amannan  agus  nan 
gnothuichean  anns  an  robh  lamh  aige  anns  a' 
Pharlamaid  bho  chionn  da  fhichead  bliadhna 
gu  soilleir  agus  gu  firinneach  agus  gu  h-6r- 
dail,  gun  e  fein  ardachadh  agus  gun  daoine 
eile  a  narachadh.  Clod  air  bith  a  shaoilear 
de  Asquith  mar  fhear-riaghlaidh  cha  'n 
urrainn  eadhon  a  naimhdean  aicheadh  nach 
sgoilear  agus  nach  duine-uasal  e.  Agus  air 
mo  shon  fhein  dheth,  sin  da  rud  a  bu  mhaith 
leam  fhaotainn  daonnan  co  dhiu  a  bliithinn 
a'  taghadh  ministeir,  no  a'  cur  a  steach  duine 
do'n  Pharlamaid;  bu  mhaith  leam  e  bhi  'na 
dheagh  sgoilear  agus  gu  sonruichtS'  'n  a 
dhuine-uasal.  Na'n  robh  an  dearbhadh  sin 
air  a  chur  air  Tigh  nan  Cumantan,  agus  air 
Tigh  nam  Morairean  cuideachd,  cia  meud 
aite-suidhe  a  bhiodh  falamh? 

Tha  a'  chuid  mhor  de  shluagh  Bhreatuinn 
an  dull  nach  'eil  ann  an  Deadhan  Inge  ach 
duine  tursach  a  tha  cur  seachad  leth  an  latha 
a'  caoidh  cor  a  dhuthcha  agus  a'  cur  seachad 
an  leth  eile  'g  a  caineadh,  ach  tha  amharus 
agam  nach  'eil  an  Deadhan  idir  cho  tursach 
's  a  thatar  a'  saoilsinn,  oir  tha  abhacas  ann 
an  Smuaintean  an  Deadhain  nach  b'  urrainn 
a  bhi  ann  mur  biodh  a  chridhe  mireagach,  co 
dhiu  air  uairean.  Ach  ged  bhiodh  Deadhan 
Inge  na  bu  tursaiche  na  tha  e,  theagamh  nach 
deanadh  sin  cron  do'n  rioghachd  oir  tha  gu 
leor  do  dhaoine  eile  innte  a  tha  'g  ar  bodh- 
radh  leis  an  iolach  ait  agus  fhaoin  a  tha  iad 
a'  deanamh ;  iolach  gun  tiir,  gun  aobhar.  Is 
gasda  le  Deadhan  Inge  a  bhi  breith  air  na 
h-Easbuigean  air  fheusagan,  agus  a  bhi  bual- 
adh  an  cinn  r'a  cheile,  ach  ged  nach  ml-chord 
a'  chleasachd  sin  rium-sa,  is  rud  eile  e  an  uair 
a  bheireas  e  air  fheusaig  air  na  h-abstoil  agus 
a  thoisicheas  e  air  iadsan  a  chur  'n  an  aite 
fein  mar  gu'm  biodh  sreath  de  bhalaich 
bheaga  m'a  choinneamh. 

Ach  ged  a  dh'  fhag  mi  leabhar  a'  Mhorair 
Grey  gu  deireadh  is  e  so  an  leabhar  a  b' 
fhearr  a  chord  rium  de  'n  tri,  oir  ged  nach 
'eil  comharraidhean  na  sgoilearachd  ann  mar 
tha  iad  anns  an  da  leabhar  eile,  tha  nithean 
as  fhearr  agus  as  ion-mhiannaichte  ann;  tha 
e  Ian  de'n  ghliocas  agus  de'n  mhaise  a  gheibh- 
ear  ri  taobh  nan  aibhnichean  agus  an  cluain- 
tean  gorma.  Is  e  ainm  an  leabhair  so,  Paip- 
earan  Fallodon ;  thug  bana-charaid  choir 
leughadh  dheth  dhomh,  ach  chord  e  rium  cho 
mhaith  agus    gu'n  do    cheannaich    mi    fear 


dhomh  fhein,  agus  is  fhada  bho  nach  d' 
fhuair  mi  uiread  toileachaidh  air  son  leth-i^ini. 

Na'm  faodadh  tu,  a  leughadair,  duine  air 
bith  a  thoilicheadh  tu  a  chur  os  cionn  na 
rioghachd  mar  Ard-riaghlair,  co  a  chuireadh 
tu  ann?  Chuirinn-sa  mi  fhein  ann,  oir  cleas 
a  h-uile  duine  eile  a  tha  'na  thamli,  tha  fhios 
agam  gur  e  mo  lamh  fhein  lamh  a  b'  fhearr 
air  an  stiuir.  Ach  mur  faighinn  fhein  an 
stiiiir  b'e  an  ath  duine  a  bu  mhaith  leam  a 
chur  'n  a  shuidhe  aice,  am  Morair  Grey,  agus 
innsidh  mi  dhuit  c'  ar  son. 

(1)  Tha.  e  gaolach  air  iasgach. 

(2)  Tha  e  gaolach  air  eoin  agus  air  ceol  nan 
eun. 

(3)  Tha  e  gaolach  air  bardachd  Wordsworth. 

(4)  Cha  bhi  e  uair  air  bith  'n  a  chabhaig. 
Theagamh  gu'n  abair  thusa,  a  leughadair, 

nach  'eil  gnothuch  air  bith  aig  na  nithean 
sin  ri  obair  na  Parlamaid  no  ri  riaghladh- 
diithcha,  agus  gu'm  b  fhearr  leat  duine  a 
bha  gaolach  air  figearan  agus  air  cunntasan 
agus  air  leabhraiohean  Karl  Mars  a  chur  air 
an  stiuir,  ach  am  bitheantas  is  e  daoine 
cunnartach  a  tha  anns  an  t-seorsa  sin ; 
daoine  aig  a  bheil  seilleinean  'n  am  boinn- 
eidan ;  agus  daoine  aig  'nach  'eil  ach  seann 
fhidheal  agus  aon  phort.  Sin  agad  na 
daoine  ris  an  obair  na  Sasunnaich  bores,  ach 
is  e  an  t-ainm  a  bhios  aig  muinntir  Chille- 
Sgumain  orra,   Clann    Mhic  Sglamhrainn. 

Ach  CO  dhiu  a  dh'  aontaicheas  tu  leam  no 
nach  aontaich  gur  e  na  oeithir  comharraidh- 
ean a  dh'  ainmich  mi  comharraidhean  an 
dviine  mhaith.  feumaidh  tu  aideachadh  gu 
bheil  daoine  aig  a  bheil  gaol  an  ias- 
gaich,  agus  gaol  nan  ©un,  agus  gaol 
na  coille,  'n  an  cridhe,  a'  faotainn 
solasan  laghach  agus  simplidh  air  nach  amais 
na  daoine  eile  nach  'eil  a'  gabhail  tlachd  idir 
ann  an  obair  no  ann  an  ooslas  a'  chruthach- 
aidh.  Ged  nach  bi  mise  ml  fhein  ag  iasgach 
tha  moran  d'  am  bhraithrean  anns  an  eaglais 
a  bhios  ris  an  obair  sin,  agus  ged  bhios  droch 
dhaoine  ag  radh  nach  'eil  an  t-iasgach  buann- 
achdail  do  aobhar  an  t^soisgeil  agus  na  firinn 
ann  an  seadh  no  dha,  cha'n'eil  mise  ag  aon- 
tachadh  ris  a  sin  idir  :  oibrichidh  an  t-ias- 
gach annta  faighidin  agus  dochas,  dachas 
gu'm  bi  cuisean  na's  fhearr  an  ath  latha. 

Ged  nach  e  sonas  crioch  araidh  mhic  an 
duine  tha  e  ceart  do'n  h-uile  neach  a  bheatha 
fhein  orduchadh  air  a  leithid  de  dhoigh  's 
o'u'm  faigh  e  tomhas  maith  de  thoilinntinn 
anns  an  t-saoghal  so.  Tha  solas  is  toilinn- 
tinn  a'  tighinn  gu  daoine  ann  an  iomadh 
doigh  ;  o  nithean  mora  agus  o  nithean  beaga. 
Cha  'n  urrainn  duine  sonas  buan  no  mills  a 
shealbhachadh  mur  bheil  e  a'  riaghladh  a 
bheatha  a  reir  toil  agus  lagh  Dhe ;  mur 
bheil    slth    agus    gradh     aige    'n    a    theagh- 


laoh  fein  ;  mur  bheil  obair  aige  amis 
a  bheil  tlaichd  aige  agus  nach  'eil  dha 
'na  uallach ;  agus  mur  h-uirrainn  e 
anail  a  tharruing  gun  b.hi  'n  a  fhuil  is  'n  a 
fhallus   daonnan.  Sin  na    nithean  ris  an 

abrainn  na  tobraichean  mora  agus  domhain 
as  am  bi  daoine  a'  tarruing  an  aoibhneis. 

Ach  cha  'n  ann  as  na  tobraichean  mora  a 
mhain  a  bhios  daoine  a'  faotainn  solais ;  tha 
tobraichean  beaga  eile  ri  taobh  an  i-athaid  as 
am  faod  sinn  a  bhi  tarruing  solais  gun  sgur, 
ma  bha  sinn  cho  glic  agus  gu'n  d'  ionnsaich 
sinn  an  rathad  thuca  'n  ar  n-6ige  agus  ma 
tha  soitheach  againn  leis  an  tarruing  sinn 
asda.  Is  e  cuid  cle  na  tobraichean  beaga  sin, 
leabhraichean  agus  machraidhean  agus  coilltean. 

Tha  e  air  a  radh  gur  biadh  do'n  dara  duine 
an  rud  a  tlia  'n  a  phuinnsean  do  clhuine  eile. 
Tha  sin  fior  gu  litireil  agus  gu  samhlachail. 
Tha  e  fior  a  thaobh  nan  nithean  anns  a  bheil 
daoine  a'  faotainn  toilinntinn.  Gheibh  aon 
duine  solas  gnin  chrioch  ann  am  bardachd 
Wordsworth  ach  b'  fhearr  le  duine  eile  dol 
do  Shiberia  seach  a  bhi  air  fhagail  leis  fhein 
le  Wordsworth  fad  latha.  Cha'n  eil  aracli 
air  ;  a  bhlas  agus  a  chail  agus  a  thoil  fhein  do 
gach  duine;  ach  feuchadh  an  duine  a  chuir- 
eas  cid  ri  leughadh  is  bardachd  gu  bheil  tobar 
air  ohor-eigin  eile  aige  anns  am  faigh  e 
urachadh  d'a  spiorad.  Ma  gheibh  e  tobar  a 
tha  cho  dluth  agus  cho  saor  ris  an  fhear  ris 
an  do  chuir  e  cul  bidh  e  da-rireadh  fortanach. 

Ach  is  e  na  daoine  as  fortanaiche  uile  gu 
leir  na  daoine  aig  a  bheil  gaol  air  aghaidh 
a'  chruthachaidh  ;  aig  a  bheil  siiilean  is  cridh- 
eachan  a  chi  agus  a  thuigeas  a  mhaise  a  tha 
Dia  a'  sgaoileadh  air  machraichean  is  coill- 
tean. Cha'n'eil  m'  eolas  fhein  air  oibrichean 
Naduir  ach  anabarrach  beag  is  suarrach,  ach 
air  a  shon  sin,  tha  cursa  na  bliadhna  agus 
na  fuaimean  is  na  seallaidhean  a  bhios  mi  a" 
cluinntinn  agus  a'  faicinn  air  monaidhean 
agus  ann  an  coilltean  agus  taobh  nan  aibh- 
uichean  a'  toirt  togail-cridhe  agus  solas 
dhomh  nach  gabhadh  ceannach  le  or.  Agus 
is  e  an  t-aobhar  cu  bheil  uiread  meas  agam 
air  Wordsworth  gur  h-esian  am  fear-teagaisg 
a  threoraich  mi  an  toiseach  a  dh'  ionnsuidh 
nan  tobraichean  solais  sin. 

Tha  amharus  agam  gur  h-ann  'n  am  choille- 
chno  fhein  a  dh'  fhas  na  cnothan  so  a  tha  mi 
tairsginn  dhuit-sa,  a  leughadair,  agus  tha 
eagal  orm  gu'm  faod  cuid  dhiubh  a  bhi  gun 
bhiadh,  ach  m'  an  criochnaich  mi  mo  shean- 
chas  bu  mhaith  leara  aon  chno  a  thoirt  dhuit 
as  an  leabhar  aig  a'  Mhorair  Grey,  "Ann  am 
hliadhnachan  dorcha  a'  cJiogaidh  bha  e 
Uaonnan  'n  a  ionad-fasgaidh  do  m'  chridhe 
a  bhi  faicinn  nach  d'  athnrraich  uamhasan  a' 
chogaidh  maise  na.  bliadhna  no  teachd  nan 
raidhean,     A  h-nile  bliadhna  an  uair  a  thig- 


eadh  an  t-earrach,  bha  duilleach  nan  craobh 
a'  tighinn  a  mach  ;  bha  na  h-eoin  a'  sein'/i  agna 
na  flUraichean  a'  fosgladh,  agus  bha  maise  a' 
chruthachaidh  mar  dhidean  dhomh  o'n  stoirm., 
a'   toirt  dhomh  ddchais   agus  ea,rbsa  Ididir.' 


LEABHAR  FIACHAIL. 

Tha  sgoilearachd  agus  sgoilearachd  ann  : 
tha  sgoilearachd  ann  a  tha  gle  choltach  ri 
maoi-ach  cailleaeh  Mhic  Artair,  partan  is 
da  fhaochdig.  Chaidh  cailleaeh  Mhic  Artair 
do'n  traigh,  an  deidh  dhi  moran  othail  is 
boilich  a  dheanamh  mu'n  mhaorach  a  bha 
i  dol  a  thoirt  dachaidh,  ach  aig  deireadh  an 
latha  b'e  sud  na  chruinnich  i,  partan  is  da 
fhaochaig. 

Tha  gu  leoir  de'n  sgoilearachd  sin  anns 
an  duthaich  againn  an  diugh  ;  "  moran 
sgiamhail  is  beagan  ollainn,"  mar  thubhairt 
an  Donas  agus  is  e  a'  lomairt  na  muice. 
Ach  cha'n  e  sin  an  seorsa  sgoilearachd  a 
gheibhear  anns  an  leabhar  so,  an  leabhar  a 
bha  air  a  chur  a  mach  bho  chionn  ghoirid 
leis  an  Ard-Ollamh  W.  J.  Mac  Bhatair,  fear- 
teagaisg  na  Gaidhlig  an  Oilthigh  Dhun- 
eideann.  xlnns  an  leabhar  so  tha  na  h-ain- 
mean  Ceilteach,  agus  na  h-ainmean  Gaidhlig 
a  gheibhear  air  feadh  na  duthcha  uile,  o'n 
chrich  vShasunnaich  gu  Tigh  Iain  Ghreota, 
air  an  cruinneachadh  agus  air  am  mineach- 
adh  mar  nach  do  chruinnicheadh  agus  nach 
do  mhinicheadh  iad  riamh  roimhe.  Agus 
ann  am  mlneachadh  nan  ainmean  sin  tha  e 
a'  tilgeadh  soluis  air  iomadh  rud  eile ;  air 
eachdraidh  na  h-Alba  ;  an  sluagh  a  bha  ag 
aiteachadh  na  duthcha  anns  na  h-amannan 
ud ;  na  doighean  anns  an  do  sgaoil  an  creid- 
eamh  Criosduidh ;  agus  iomadh  rud  eile  a 
bha  car  dorcha. 

Cha'n'eil  mise  a'  gabhail  orm  fein  a  bhi 
suas  ris  an  sgoilearachd  shonraichte  a 
gheibhear  anns  an  leabhar  so,  ach  air  a  shon 
sin,  tha  iiigh  agam  ann  an  sgoilearachd,  is 
tha  mi  an  diiil  gu  bheil  suil  agus  sron  agam 
a  dh'  aithnicheas  sgoilearachd  air  a  dreach 
agus  air  a  h-aileadh,  agus  bu  mhaith  leam 
a  radh  air  an  duilleig  so,  ged  is  mor  am 
f acal  e,  gur  e  so  an  leabhar  as  fhearr  a  thainig 
a  mach  a  Oilthighean  na  h-Alba  bho  chionn 
iomadh  bliadhna,  agus  an  leabhar  as  fhearr 
a  bha  air  a  sgriobhadh  le  sgoilear  Gaidhlig 
bho  na  chuir  an  t-Ollamh  Mac  Bheathain 
nach  maireann  a  mach  am  Faclair  Gaidhlig 
ann  an  1896.  Tha  obair  anns  an  leabhar  so 
a  mhaireas  gu  brath  ;  gheibh  sgoilearan  eile 
clacha-steidhe  ann  nach  b'  urrainn  daibh  a 
ghearradh  as  na  creagan  daibh  fein.  Cha 
'n'eil  lamh  eile  an  Albainn  an  diugh  a  b' 
urrainn  an  obair  so  a  dheanamh  ach  an  lamh 
a  rinn  i. 


Air.  3. 


1927. 


DOCTTAS  NA  BEATHA  MAIREANNAICH. 

^fa  hlinxaicheaR  ilinne  an  tig  e  hedl — Joli 
xiv,   U. 

Sin  ceist  nach  b'  uvrainn  am  fear  a 
sgriobh  leabhar  lob  a  fhreagairt  gu  cinn- 
teach,  agus  ceist  nach  do  fhreagair  duine 
eile  riainh  aim  an  doigh  a  riaraicheas  an 
cinneadh-daonna  viile.  Ach  air  a  shon  sin  is 
ceist  i  air  a  bbeil  inntinn  mhic  an  duine  a' 
cnuasachadh  gun  sgur,  ma  l^liasaicheas  duine 
an  tig  e  beo? 

Thig  am  bas  oirnn  uile  :  agus  an  uair  a 
lliig  am  bas  cha'n'eil  anns  gach  ceist  eile  ach 
vud  suarrach  an  ooimeas  ris  a'  cheist  so,  an 
e  an  uaigh  ceann  ar  reis  ? 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  a 
tha  de'n  bheachd  sin;  cha'n'eil  dochas  air 
l)ith  aca  gu  bheil  anani  an  duine  beo  an 
deidh  d'a  chorp  basachadh  :  cha'n'eil  iad  a' 
creidsinn  gu  bheil  anmanna  nan  creidmheach 
air  an  deanamh  foirfe  aig  uair  am  bais  no 
dol  a  steach    do  ghloir.  Cha'n'eil   iad   a' 

creidsinn  gu'n  tachair  do  mhac  an  duine 
ach  mar  a  thachras  do'n  ainmhidh  :  tiodh- 
laicear  a  chorp  anns  an  talamh  agus  cha  bhi 
iomradh  tuilleadh  gu  brath  air. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  de'n 
bheachd  sin,  ach  ged  bha  iad  cho  lionmhor 
bho  thoisieach  's  a  tha  iad  an  diugh  dh' 
fhairtlich  orra  riamh  toirt  air  a'  mhor-chuid- 
eachd  d'am  braithrean  gabhail  r'an  teasgasg. 

A  thaobh  dochas  na  beatha  maireannaich 
cha'n'eil  e  fior  a  radh  gai  bheil  na  feallsan- 
aich  air  an  dara  taobh  agus  na  diadhairean 
air  an  taobh  eile  :  cha'n'eil  e  fior  a  ladh  gu 
bheil  luchd-ealain  agus  ministearan  an 
aghaidh  a  cheile.  Tha  moran  de  na  feall- 
sanaich  agus  de'n  luchd-ealain  as  ainrmeile 
a'  creidsinn  anns  a'  bheatha  mhaireannaich 
le'n  uile  chridhe,  is  tha  cuid  de  clhiadhairean 
nach  'eil  a'  creidsinn  innte  idir. 

Ach  ma  cheasnaichear  na  feallsanaich  agus 
daoine  eagnaidh  a  thaobh  an  dochais  so 
feumar  aideachadh  nach  'eil  fianuis  laidir  no 
shoilleir  aca  ri  thoirt  dhuinn  ;  their  iad  gxi 
bheil  an  rud  ud  agus  an  rud  ud  eile  anns  a' 
chruthachadh  agus  anns  na  tha  iad  a'  tuig- 
tsinn  de  ruintean  Dhe  a'  neartachadh  an 
dochais  ged  nach  'eil  iad  'ga  dhearbhadh; 
their  iad  gu  bheil  barrachd  r'a  radh  air  a 
thaobh  na  tha  r'a  radh  'n  a  aghaidh.  Ach 
is  e  sin  cho  fada  's  is  urrainn  daibh  dol. 

Ma  tha  na  mairbh  beo  c'  ar  son  a  tha  iad 
balbh?  C  ar  son  nach  do  rainig  teachdair- 
eachd  air  chor-eigin  sinn  bho  thoiseach  an 
t-saoghail.        Sin   aon    de  na  h-argumaidean 


a  bhios  michreidich  a'  cleachdadh,  ach  cha 
bhi  feallsanaich  no  sgoilearan  arda  'g  a 
cleachdadh  oir  tha  fhios  aca  gu  maith  nach 
'eil    tosdacbd  nam  jnarbh  a'  dearbhadh   dad. 

Tha  na  mairbh  tosdach  gun  teagamh.  Dh' 
fhag  mlltean  de  ghinealan  an  saoghal  so 
cheana  ach  cha  chualas  am  farbhan  as  lugha 
bhuapa  o'n  taobh  thall.  Ma  tha  na  ginealan 
sin  fhathast  beo,  ann  an  aite  no  ann  an 
suidheachadh  nach  aitline  dhuinne,  a  bheil 
e  eucomasach  dhaibh  fios  a  chur  thugainn  no 
a  bheil  iad  idir  a'  smuaineachadh  oirnn? 
Nach  iongantach  agus  nach  soluimte  an 
smuain  e,  gu  bheil  saoghal  eile  dliith  dhuinn 
a  tha  air  aiteachadh  le  spioradan  gun  air- 
eamh,  ach  a  tha  cho  foluiohte  bhuainn  ri 
cridhe  na  greine,  ged  dh'  fhaodas  sinn  a  bhi 
air   an  iomall  aige. 

Tha  mise  a'  creidsinn  le  m'  uile  chiddhe 
gu  bheil  an  saoghal  sin  ann,  agus  gu  bheil 
e  dluth  dhuinn.  Cha'n'eil  fhios  agam  ciod 
a  bhios  daoine  eile  a'  faireachduinn  aig  bord 
a'  chomanachaidh  ach  is  urrainn  mi  a  radh 
gu  cinnteach  gur  e  dearbhachd  a  thaobli 
saoghal  nan  spioradan  an  tiodhlac  shon- 
ruichte  as  trice  a  bhios  mi  ^a'  faotainn  o'n 
chomanachadh.  Air  uairean  cha  'n  urrainn 
mi  a  radh  gu  bheil  mi  a'  faotainn  nithean 
eile  a  tha  na  leabhraichean  aig  radh  gu'm  bu 
choir  do  dhuine  fhaotainn  aig  a'  bhord,  ach 
aha  do  ghabh  mi  riamh  pairt  ann  an  seir- 
bhis-coman-achaidh  gun  faireachduinn  bheo 
agus  dearbhachd  laidir  a  bhi  'n  am  chridhe 
gu  robh  mi  air  mo  chuartachadh  le  neul  mor 
de  fhianuisean,  le  spioradan  nam  firean, 
agus  le  ainglean,  agus  le  eaglais  neo-fhaic- 
sinneach  nan  ceud-ghin.  Aig  na  h-amannan 
sin  tha  lathaireachd  nan  spioradan  cho 
cinnteach  dhomh  ri  lathaireachd  chorparra 
nan  daoine  a  tha  'n  an  suidhe  ri  mo  thaobh. 

Sin  aon  de  na  doighean,  a  reir  m'  fhios- 
rachaidh,  anns  a  bheil  dochas  na  beatha 
maireannaich  air  a  dhusgadh  agus  air  a 
neartachadh  ann  an  cridheachan  dhaoine ; 
cha'n  ann  le  argumaidean  no  le  solus 
reusain  ach  le  feartan  agus  faireach- 
duinnean  a  tha  dol  sios  na's  doimhne 
do  thobraichean  diomhair  ar  beatha  na's 
urrainn  argumaid  no  solus  reusain  dol. 

A  thaobh  dochas  na  beatha  maireannaich 
tha  dha  no  tri  nithean  ann  a  tha  seasamh  a 
mach  gu  soilleir  gus  ar  creideamh  a  neart- 
achadh. 

(1)  Cha'n'eil  treubh  no  cinneach  air  thal- 
amh  anns  nach  fhaighear  an  dochas  so  'n 
am  measg,  am  beag  no  am  mor.  Is  e  sin 
r'a    radh,   tha   an   cinneadh-daonna   uile    as' 


10 


altrum  an  docbais.  Agus  tha  an  cinneadh- 
daonna  na's  glie-e  na  duine  air  bith ;  tha  guth 
a'  chinneadh-daonna  na'g  airidhe  air  eisd- 
eachd  ris  na  guth  aon  duine  air  cho  ionn- 
saichte  's  'g  am  faod  e  bhith. 

(2)  Bha  na  daoine  as  glice  agus  as  comas- 
aiche  a  bha  riamh  ann  a'  creidsinn  anns  a' 
bheatha  mhaireannaioh,  agus  na  daoine  as 
naoimhe.  Is  e  sin  r'a  radh,  cha'n  ann  o'n 
taobh  as  miosa  ach  o'n  taobh  as  fhearr  de 
mhac  an  duine  a  thainig  an  dochas  so.  Dh' 
fheumadh  duine  a  bhi  gu  maith  cinnteach 
as  fhein  m'  an  togadh  e  a  ghuth  an  aghaidh 
dhaoine  coltach  ri  Plato,  agus  Pol,  agus 
Dante,  agus  Milton,  agus  Shakespeare,  agus 
aithrichean  ©ile  de'n  t-seorsa  sin. 

(3)  Bha  losa  Criosd  a'  creidsinn  anns  a' 
bheatha  mhaireannaich,  agus  theagaisg  e  d'a 
dheisciobuil  an  dochas  so  altrum.  "  Ann  an 
tigh  m'  athar-sa  tha  iomadh  aite-comhnuidh  ; 
mur  biodh  e  mar  sin  dh'  innsinn-sa  dhuibh." 
"  Do  bhrigh  gu  bheil  mise  beo  bidh  sibhse 
beo  mar  an  ceudna."  Thug  losa  Criosd 
beatha  agus  neo-bhasmhorachd  gu  solus  tre 
a  shoisgeul,  agus  cuiridh  fhacal-san  crioch 
air  gach  uile  chonnsachadh.  Theid  n^amh 
agus  an  talamh  thairis  ach  cha  teid  fhacal- 
san  thairis  gu  brath. 

Roimh  latha  Chriosd  cha  robh  ann  an 
dochas  na  beatha  maireannaich  ach  dochas 
fhein,  ach  rinn  esan  an  dochas  laidir  agus 
cinnteach  agus  sheulaich  e  e  le  aiseirigh,  air 
chor  agus  gu  bheil  a  nis  dearbhachd  againne 
as  laidire  na  bha  eadhon  aig  daoine  naomh 
ann  an  laithean  lob. 

Agus  gus  an  da  chuid  teagasg  agus  comh- 
fhurtachd  a  thoirt  do  luchd-leughaidh  an 
leabhair  so  bu  mhaith  learn  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so  ann  an  cainnt  cho  simplidh  's  a 
ghabhas  deanamh  ciod  e  an  dochas  a  tha  an 
creideamh  Criosduidh  a'  toirt  duinn  a  thaobh 
nam  marbh.     Is  e  so  ar  dochas, 

(1)  Gu  bheil  iad  aig  uair  am  bais  a'  dol 
a  steach  gu  lathaireachd  Chriosd. 

(2)  Gu  bheil  iad  air  an  glanadh,  air  an 
soillseachadh,   agus  air  an  deanamh  foirfe. 

(3)  Gu  bheil  iad  a'  faotainn  an  ruin  agus 
an  iarrtuis  ann  an  aonadh  dluth  ri  luchd-an- 
gaoil  a  bha  thall  romhpa. 

(4)  Gu  bheil  iad  a'  feitheamh  ann  an  sith 
ri  dara  teachd  an  t-Slanuighir,  ris  an  Ais- 
eirigh, agus  ri  la  mor  a'  bhreitheanais. 

So  dochas  ait  nan  an'ma  naomh' 
O'n  Slanuighear  caomh  an  tras, 
A  thug  an  Spiorad  dhaibh  maraon, 
Mar  sheul  is  earlais  graidh. 

Ach  is  ann  do  chreidmhich  a  mhain  a 
bhuineas  an  dochas  beannaichte  so ;  dhaibh- 
san  a  chaidhleas  ann  an  Criosd  mar  tha  Pol 
ag  radh. 


Ki  aghaidh  a'  bhais  agus  an  sgaraidh  a  ni 
am  bas  ann  an  teaghlaichean  cha'n 'eil  ann 
ach  aon  chomhfhurtachd  as  fhiach  dhuinn  a 
thairgsinn  do  chridheachan  leonta,  dochas  na 
beatha  maireannaich.  Sin  a'  chomhfhurt- 
achd a  thug  ar  Slanuighear  do  dhaoine  an 
uair  a  bha  e  air  thalamh,  agus  sin  a'  chomh- 
fhurtachd cuideachd  a  thug  Pol  do  luchd-a'- 
bhroin.  Cha'n'eil  teagamh  nach  'eil  iomadh 
tobar  eile  ann  as  am  faod  daoine  oomhfhurt- 
achd  fhaotainn  a  chiiidicheas  iad  an  uair  a 
dh'  fheumas  iad  dealachadh  r'  an  cairdean 
gaoil,  ach  so  a  mhain  a'  chomhfhurtachd  anns 
a  bheil  beatha  agus  neart  do'n  chridhe,  dochas 
na  beatha  maireannaich  agus  dearbhachd  gu 
bheil  luchd-ai'-gaoil  sona  maille  ri  Criosd.   . 


UR  NO  SEAN? 

Cha'n'eil  la  a  thig  am  posta  a  dh'  ionn- 
suidh  mo  thighe  nach  'eil  dorlach  litrichean 
aige  dhomh;  cuid  dhiubh  a  bhithinn  coma 
ged  nach  tigeadh  iad  idir,  cunntaisean  agus 
litrichean  a'  bhuinn-a-se.  Ach  tha  aon  lamh- 
sgriobhaidh  ris  an  tog  mo  chridhe  an  uair 
a  chi  mi  air  litir  e,  lamh-sgrlobhaidh  Seon- 
aid  Eachainn ;  oir  ged  nach  bi  Seonaid  a 
sgriobhadh  thugam  cho  trie  agus  a  bu  mhaith 
learn  tha  daonnan  snaoisean  anns  an  litir  a 
chuireas  i.  Di-luain  so  chaidh  fhuair  mi  te 
bhuaipe,  agus  ged  nach  'eil  maith  dhomh  an 
litir  air  fad  a  thoirt  am  follais,  air  eagal 
gu'n  cuireadh  e  muinntir  Chille-sgumain  an 
amhaichean  a  cheile,  faodaidh  mi  aon  rud 
neonach  a  bha  innte  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so. 

"  Tha  Cille-sgumain  air  fas  ainmeil  oir  tha 
e  coltaoh  gu'n  d'  fhuair  na  dotairean 
galair  ur  ann.  An  deireadh  an  Earraich 
dh'  fhas  Calum  Mac  Cuaraig  cho  bochd  's 
nach  b'  urrainn  da  car  obrach  a  dheanamh, 
B'  fheudar  a'  bhean  agus  a'  chlann  aige  a 
chur  air  an  sgireachd,  agus  air  dheireadh 
thall  bha  Calum  fhein  air  son  faotainn  air 
an    sgireachd  cuideachd.  Ach  ged  bha  a' 

chuid  mhor  de'n  Bhord  toileach  gu  le^ir  air- 
giod  nam  bochd  a  thoirt  do  Chalum  chuir  am 
baillidh,  agus  am  bancair,  agus  Tom  Elliot, 
'n  a  aghaidh  gu  laidir.  Thubhairt  iad  gu 
robh  anshooair  Chaluim  neonach ;  gu  robh  e 
a'  gabhail  a  bhidh  agus  a'  smocadh  cho 
mhaith  's  a  bha  e  riamh;  gu  robh  e  cho 
leathann  reamhar  ri  duine  anns  an  duth- 
aich;  agus  nach  d'fhuaras  riamh  raport 
ceart  uime  bho'n  dotair.  Is  e  a  thainig  as 
a'  chilis  gu'n  tug  am  Bord  dotair  as  an  Oban 
a  thoirt  daibh  raport  air  Oalum,  agus  b'e 
an  raport  a  thug  am  fear  sin,  gu  robh  Calum 
dona  dona  le  misojjonia  lethargica-  Chosd 
an  raport  sin  tri  gineachan.  Aig  an  ath 
choinneamh  an  uair  a  leugh  an  Cleireach  an 


11 


raport,  agus  a  chuala  Tom  Elliot  na  facail 
inliora  a  bha  ann,  thubhairt  e  gu  robh  esan 
riaraichte  a  nis,  agus  gu'n  aontaicheadh  e 
le  uile  chridh©  Calum  truagh  a  chur  air  an 
sgireachd.  Ach  sheas  am  baillidh  agus  am 
bancair  a  mach  fhathast ;  thubhairt  iad  gu'm 
feumteadh  sgil  agus  oomhairle  a  b'  fhearr 
fhaotainn  na  ghabhadh  faotainn  anns  an 
Oban ;  gu'm  bu  choir  do'n  Bhord  raport 
fhaotainn  bho  fhear  de  ard-dhotairean 
Ghlaschu.  Rinneadh  sin,  agus  b'e  an  ra- 

port a  thug  esan  air  Calum,  gu  robh  e  dona 
dona  le  sarcomalakia  lethargica.  Chosd  an 
raport  so  coig  gineachan.  Aig  an  ath 
choinneamh  an  uair  a  leugh  an  Cleireach  an 
raport,  thubhairt  am  bancair  gu  robh  esan 
a  nis  Ian  riaraichte  agus  nach  seasadh  e  air 
son  an  t-saoghail  an  aghaidh  duine  bochd 
air  bith  air  an  robh  anshocair  cho  uamhas- 
ach  ris  na  facail  a  thuirt  an  Cleireach.  Ach 
bha  am  baillidh  danarra  ;  thubhairt  e  nach 
robh  an  da  raport  a'  cordadh  idir,  agus  gu'm 
feumteadh  raport  iir  fhaotainn  bho  fhear  de 
ard-dhotairean  Dhuneideann.  Fhuaradh 
sin,  agus  b'  e  an  raport  a  thug  Sir  Bottul 
M.  Philleachan  air  Calum  gu  robh  ©  dona 
dona  le  sarcasthenia  lethargica  chronica  anns 
an  dara  taobh  agus  ergophohia  acuta  anns  an 
taobh  eile.  Chosd  an  raport  sin  deich  gin- 
eachan.  Ach  bha  am  Baillidh  a  nis  riar- 
aichte, agus  dh'  aontaich  e  gu'm  biodh 
airgiod  nam  bochd  air  a  thoirt  do  Chalum. 
Dh'  iarr  am  bord  air  a'  Chleireach  rabhadh 
a  thoirt  do'n  sanitary  inspector  air  eagal 
gu'm  faodadh  sarcasthenia  lethargica  chronica. 
agus  ergophohia  acuta  a  bhi  gabhailteach. 

Chaidh  e  air  feadh  na  sgireachd  gu  robh 
galair  iir  nach  cualas  riamh  iomradh  air  air 
Calum  Mac  Cuaraig ;  cha  robh  latha  nach 
robh  daoine  a  dol  thuige  le  bascaidean  Ian 
de  gach  seorsa  a  bha  iad  an  duil  a  chumadh 
suas  a  neart,  daoine  nach  deachaidh  riamh 
a  dh'  amharc  choimhearsnach  air  an  robh 
influenza  no  loinidh.  Tha  Tom  Elliot  fhein 
a'  cur  botul  branndi  thuige  uair  's  a' 
cbeithir-la-deug ;  chuir  am  bancair  leabhar 
a  mach  gus  airgiod  a  thogail  a  cheannach 
cathair-da-laimhe  anns  am  faodadh  Calum 
cadal  an  deidh  a  dhinnearach,  agus  chuir 
am   baillidh  gini  ann. 

Sin  agad-sa  mar  tha  sinne  an  drasd  ann 
an  Cille-sgumain,  ach  eadaruinn  fhein  agus 
an  ursann  tha  fhios  agam-sa  gu  maith  ciod 
an  galair  a  tha  air  Calum  Mac  Cuaraig, 
agus  mar  sin  cha  do  chuir  mi  aon  sgillinn 
anns  an  leabhar.  Ciod  air  bith  a  their  na 
dotairean,  cha'n'eil  galair  no  galair  air 
Calum  ach  an  leisg.  Ach  is  fhada  bho  na 
chuala  mi  thu  fhein  ag  radh  gur  e  cainnt 
uasal  a  tha  anns  a'  Ghreigis,  cainnt  a 
chuireas     ainmean     boidheach      air     rudan- 


grannda,  agus  air  son  na  tha  de  fhios  agam- 
sa  nach  fhaod  e  bhith  nach  'eil  anns  na 
facail  bhriagh  ud  a  chuir  na  dotairean  anns 
an  raport  ach  Greigis  air  an  leisg  !  Tha 
na  dotairean  'n  an  daoine  glic :  sin  an  t- 
aobhar  gu  bheil  iad  mar  is  trice  'n  an 
daoine  samhach ;  ma  dh'  fheumas  iad  an  lamh 
a  chur  ri  paipear,  cha  sgriobh  iad  aon 
fhacal  a  bharrachd  air  na  dh'  fhoghnas, 
agus  sgrlobhaidh  iad  sin  fhein  an  Greigis 
no  ann  an  Laidionn." 


ANNS  A'   CHATHAIR. 

Anns  an  aireamh  so  bu  mhaith  leam  jDasgan 
de  litrichean  gasda  a  chur  air  ar  beulaobh, 
litrichean  a  bha  aii-  an  sgriobhadh  leis  an 
Ard-Ollamh,  Sir  Henry  Tones,  fear-teagaisg 
ainmeil  ann  an  Oilthigh  Ghlaschu,  gu  a 
thriuir  mhac  agus  iad  air  falbh  o'n  daohaidh. 
Tha  na  litrichean  so  fada  na's  glice  na  Comh- 
airlean  Chormaic  d'a  Mhac,  oir  bha  an  t-Ard- 
Ollamh,  Sir  Henry  lones,  cho  Ian  de'n  ghlio- 
cas  a  tha  o  shuas  's  a  bha  e  Ian  d©  fhoghlum 
agus  de  abhacas. 

An  uair  a  theid  clann  a  mach  do'n 
t-saoghal  tha  e  'n  a  chuideachadh  mor  dhaibh 
a  bhi  faotainn  litrichean  gradhach  o'm  par- 
antan,  oir  cha'n'eil  rud  eile  air  thalamh  a 
chumas  cridhe  duine  an  ceangal  ris  na 
nithean  a  tha  urramach  agus  glan  cho  cinn- 
teach  ri  bhi  cuimheachadh  air  an  dachaidh 
bhlath  agus  ghlan  a  dh'  fhag  e,  agus  air  gaol 
athar  agus  a  mhathar.  Cha  bu   choir  do 

athair  no  do  mhathair  ghlic  air  bith  gun  an 
gaol  sin  agus  an  dachaidh  sin  a  chumail  ann 
an  cuimhne  an  cloinn©  a  tha  air  falbh 
bhuapa. 

Chaidh  a  mhac  a  bu  shine  a  mach  do  na 
h  Innsibh  an  Ear,  agus  so  te  de  na  litrichean 
a  chuir  e  thuige  (an  toiseach  a'  chogaidh). 

Tighnabruaich,   2/9/1914. 

"  So  a  'cheud  uair  o  na  dh'  fhag  thu 
sinn  nach  tainig  do  litir  air  an  latha,  ach 
tha  amharus  agam  c'ar  son  nach  d'  fhuair 
sinn  i.  Tha  muinntir  an  airm  a'  cumail 
litrichean  air  an  ais,  agus  air  son  na  tha 
dh'  fhios  agam-sa  faodaidh  gu  bheil  thu 
cheana  air  gu  rathad  do  Mhesopotamia. 
Cha  chuala  do  mhathair  fhathast  gu  bheil 
thu  dol  do'n  chogadh,  ach  ullaichidh  mi  a 
h-inntinn  air  son  na  naigheachd  sin,  air 
chor  agus  gu'm  bi  i  leagta  ris  an  rud  an 
uair  a  chluinneas  i  e.  Tha  cridhe  laidir 
aice,  ach  tha  e  duilich  leatha  dealachadh 
ri  gin  agaibh.  Bho  chionn  da  latha  bha 
i  fhein  agus  mi  fhein  a'  bruidhinn  mu 
Artair,  agus  bha  sinn  le  cheile  de'n 
bheachd  gu'm  b'  fhearr  leinn  e  dh '  fhalbh 
do'n  arm    seach  a    bhi    caoidh    gu    brath 


12 


tuilleadh  nach  do  rinn  e  a  dhleasdanas. 

Cha'n'eil  feum  ann  domhsa,  a  ghaoil, 
comhairle  a  thoirt  duit,  oir  tha  fhios  again 
gu  maith  nach  meataich  thu  ri  aghaidh 
cruadail  no  gabhaidh  aii'  bith  a  thachras 
riut  :  ciod  air  bith  eile  a  tha  dh'  easbhuidh 
ormsa  agus  ortsa  cha  ghealtairean  sinn. 
Ach  mur  cuir  mi  comhairle  thugad,  cuiridh 
mi  mo  ghaol  agus  mo  bheannachd.  0  ! 
mar  tha  mo  chridhe  an  geall  ort,  a  luaidh. 
Gu'n     gleideadh     Dia     thu.  B'  abhaist 

dhasan  a  bha  'n  a  dhuine  dhoilghiosan  e 
fein  a  bhi  ag  radh,  '  Mo  shith  tha  mi  a' 
toirt  duibh. '  Am  measg  stri  agvis  buaireas 
nan  laithean  so  sin  an  rud  as  fiachaile  air 
an  t-saoghal,  an  t-slth  sin  a  bhi  aig  duine 
'n  a  chridhe  fein.  Agus  c6  as  fhearr  coir 
air  an  t-slth  sin  na  'n  duine  a  tha  air 
cheann  a  dhleasdanais,  agus  'n  a  sheasamh 
far  an  coir  dha  a  bhi  'n  a  sheasamh,  a' 
deanamh  mar  is  fhearr  is  urrainn  e." 

Bha  a  thriuir  nihac  anns  a'  chogadh  trath  : 
chaidh  dithis  dhiubh  as  na  h-Innsibh  do 
Mhesopotamia  :  bha  fear  dhiubh  anns  a' 
bhuidheann  a  bha  air  an  seisdeadh  ann 
an  Kut-el-Amara,  agus  am  fear  eile  ann  an 
te  de  na  reiseamaidean  a  chaidh  a  dhean- 
amh  cobhair  orra.  Bha  Artar,  am  fear 
a  b'  oige,  anns  an  Fhraing.  Chaidh 
am  fear  a  bu  shine  a  ghlacadh  leis  na 
Turcaich;  fhuair  an  ath  fhear  D.S.O.,  ach 
dli'  flias  e  dona  le  fiabhrus,  agus  bha  am  fear 
a  b'  oige  air  a  leon.  Bha  ciiram  gu  leoir  mu 
na  gillean  ann  an  tigh  an  Ard  Ollaimh  fad 
na  h-iiine,  ach  bha  e  fhein  gun  sgur  a"  dean- 
amh obair  air  son  na  rioghachd,  le  chomh- 
airle,  le  theangaidh,  agus  le  pheann.  Ann 
an  April  1918  bha  Artar  air  a  mharbhadh. 
So  te  de  na  litrichean  a  sgriobh  athair  thuige. 

Tighnabruaich,  29/9/15. 
"  Tha  mi  dol  suas  do  Ghlaschu  an  diugh, 
air  son  an  latha,  a  dheanamh  deas  gu  dol 
sios  do  Wales  far  a  bheil  mi  dol  a  thagar 
air  son  an  tuilleadh  dhaoine  a  dhol  do'n 
arm.  Tha  an  la  fuar,  ach  tha  do  mhathair 
a  mach  anns  a'  gharradh  ag  obair.  Tha  i 
a'  cumail  suas  a  cridhe  gu  h-anabarrach, 
oir  tha  earbsa  laidir  aice  gu'n  seas  Dia  an 
fheadhainn  a  tha  seasamh  a'  cheartais.  Cha 
'n'eil'mise  mi  fhein  a'  gabhail  orm  gu  bheil 
mi  a'  tuigsinn  ciirsa  an  fhreasdail  anns  na 
laithean  dorcha  so,  ach  cha'n'eil  teagamh 
air  bith  agam  nach  'eil  run  sonruichte  aig 
a'  Chruithfhear  anns  an  t-sealladh,  agus 
gu  bheil  e  a'  treorachadh  a  chloinne  gu 
oighreachd  spioradail  ged  tha  e  a'  toirt 
orra  inieachd  air  slighe  chruaidh  gu 
saorsa.  Agus  a  thuilleadh  air  gur  e  so  mo 
bheachd  fhein  cha'n  aithne  dhomh  duine 
.  eile  am  measg  na  feadhnach  as  fhiach  am 


beachd  eisdeachcl  I'is  a  chuireadh  teagamh 
ann  na's  mo.  Tha  thusa,  a  ghaoil,  a'  dol 
a  mach  fo  bhratach  uasal,  bratach  do 
dhiithcha,  agus  fo  bhratach  eile  as  uaisle 
air  fad,  bratach  a'  cheartais  sin  nach  caclail 
gu  brath  agus  a'  choibhneis-ghraidh  sin 
nach  fas  sgith."  *  *  *  *  "  Thainig 
da  rud  thugainn  an  diugh  a  lion  an 
tigh  so  le  aoibhneas  agus  moladh,  fios- 
dealanaieh  bho  Hal  ag  innseadh  gu 
robh  e  sabhailte,  agus  do  litir  fhein  ag 
innseadh  dhomhsa  agus  do  d'  mhathair  cho 
mor  's  a  tha  do  ghaol  oirnn.  Fhuair  mi 
iomadh  onoir  re  mo  chuairt,  tiotal  bho'n 
righ,  agus  Ian  cumain  de  litrichean  urram- 
ach  bho  dha  Oilthigh  a  chuirinn  ri  m' 
ainm,  ach  ged  is  maith  na  nithean  sin  uile, 
nithean  a  thainig  thugani  gun  sireadh  gun 
iarraidh,  cha'n'eil  annta  uile  ach  rudan 
faoin  ann  am  shiiilean  an  coimeas  ri  gaol 
mo  bhalachain  fhein." 

Bha  e  air  chuairt  an  America  an  uair  a 
chaidh  a  mhac  Seumas  a  mach  do  na  h-Inn- 
sibh  an  Ear  agus  chuir  e  an  litir  so  thuige  a 
Texas. 

Texas,  13/10/1912. 
"  Cha  'n  urrainn  mi  gun  mo  ghuidhe 
agus  mo  bheannachd  a  chur  thugad  an  uair 
a  tha  thu  a  nis  air  do  cheann-uidhe  a 
ruighinn  agus  air  do  lamh  a  chur  ri  obair. 
Cha  'n  aithne  dhomh  dad  eile,  a  luaidh, 
a  ni  cridhe  duine  cho  foisneachail  laidir 
ris  an  fhaireachduinn  a  bhi  aige  gu  bheil 
e  a'  deanamh  cho  mhaith  's  is  urrainn  da 
agus  a  cumail  a  lamh  an  agus  a  chridhe 
gian.  Tha  e  'n    a    chomhfhurtachd     do 

dhuine  a  bhi  faireachduinn  gu  bheil  an 
Neach  a  rinn  an  saoghal  maiseach  agus 
.  miorbhuileach  so  air  a  chul.  Tha  aon  rud 
ann  air  a  bheil  mo  chridhe  an  geall  ;  gu'm 
biodh  mo  bhalachain  laidir  neo-eisiomail- 
each  ;  nach  leigeadh  iad  le  meirg  tighinn 
air  an  claidheamh  no  le  meatachd  tighini:i 
air  an  cridhe;  nach  cailleadh  iad  am  mis- 
neach  eadhon  ged  nach  biodh  an  la  a'  dol 
leo  mar  bu  mhaith    leo.  Cuimhnich,     a 

ghaoil,  gu  bheil  agus  gu'm  bi  mise  gu  brath 
air  do  chiil,  olc  no  maith  mar  thachras 
duit.  Cha  chum  rud  air  an  t-saoghal  mo 
ghaol  no  mo  chomhairle  no  mo  chuideach- 
adh  bhuait,  ged  dheanadh  tu  mearachd 
fichead  uair.  Tha  fhios  aig  Ni-Maith  gu'n 
do  rinn  mi  fhein  iomadh  mearachd,  agus 
gu'm  bu  choir  dhomh  a  bhi  deich  uairean 
na's  fhearr  na  tha  mi.  Cuimhnich,  mata, 
gu'm  faod  thu  earbsa  annam-sa  ma  bu 
mhaith  leat  uair  air  bith  companach  no 
comhairliche  a  dheanamh  dhiom  :  rachainn 
comhla  riut  air  an  t-slighe  ged  bhiodh  na 
speuran  gun  leus  soluis.  Tha  fhios  agad' 
.    ciod  tha  mi  a'  ciallachadh." 


Air.  4. 


AN  AITHNE  NUADH. 

Aithne  nuadh  tha  mi  a'  toirt  dhuibh,  gu'n 
grddhaich  sihh  a  cheile ;  mar  a  ghradhaich 
7nise  sibhse,  gu'n  grddhaich  sibhse  a  cheile 
mar  an  ceudna. — Eoin  xiii,  34. 

Anns  an  leabhar  a  bha  air  a  sgilobhadh 
mu  bheatha  an  Deadhain  Stanley  tha  naigh- 
eachd  bheag  bhoidheach  air  a  h-innseadh 
mu'n  rann  so  de  shoisgeul  Eoin.  Anmocli  a 
dh'  oidhche  thainig  coigreach  gu  Manse 
Anwoth,  Manse  a  tha  cho  ainmeil  an  Albainn 
ri  Manse  na  Morairne  fhein,  a  chionn  gur 
h-ann  an  Anwoth  a  bha  Samuel  Kutherford. 
Thainig  an  coigreach  a  dh'  iarraidh  fasgaidh 
air  son  na  h-oidhche,  rud  a  fhuair  e  bho'n 
mhinisteir  gu  toileach,  agus  a  shuipeir  cuid- 
eachd.  An  deidh  na  suipearach,  an  uair  a 
bha  an  teaghach  air  an  cruinneachadh  aig 
aoradh  feasgair,  dh'  iarr  am  ministear  air 
a'  choigreach  suidhe  comhla  riu.  Bha  e  'na 
chleachdadh  aig  Samuel  Rvitherford  a  bhi 
cur  cheistean  aig  aoradh-teaghlaich,  agus  an 
uair  a  thainig  a'  cheist  air  a'  choigreach, 
chuir  e  te  fhurasda  air,  air  eagal  gu'm  biodh 
e  air  a  narachadh  muT  rachadh  aige  air  a 
freagaivt,  "  Cia  meud  aithne  a  tha  ann?" 
"  Tha  aon  deug,"  ars'  an  coigreach. 
"  Aon  deug!"  arsa  am  ministear;  "  tha  e 
a'  cur  ionghnaidh  orm  nach  'eil  fhios  aig 
duine  a  rainig  t'  aois-sa  cia  meud  aithne  a 
tha  ann." 

Ach  fhreagair  an  coigreach,  "  Aithne 
nuadh  tha  mi  a'  toirt  dhuibh,  gu'n  gradhaich 
sibh  a  cheile  :  ma  chuirear  an  aithne  nuadh 
so  ris  an  t-seann  deich  nach  dean  sin  aon 
deug!" 

Biodh  sin  mar  a  dh'  fhaodas  e,  ach  ged  bu 
mhion-eolach  Samuel  Rutherford  air  an 
sgriobtur  bha  an  coigreach  ud  a  cheart  cho 
eolach  ris,  oir  b'e  Ard-Easbuig  Ussher  a  bha 
ann,  ceann  na  h-eaglais  Shasunnaich  an 
Eirinn. 

Tha  e  gle  iongantach  nach  'eil  iomradh 
idir  air  a  dheanamh  air  grddh  anns  na  deich 
aitheantan.  Tha  lad  a'  leagail  sios  an  lagha 
dhuinn  a  thaobh  ar  dleasdanais  do  Dhia  agus 
do  dhaoine  ach  cha'n'eil  facal  idir  annta  mu 
ghradh.  A  thaobh  Dhe  tha  na  seann  aith- 
eantan a'  teagasg  nach  coir  dhuinn  dia  eile 
a  chur  air  thoiseach  air ;  nach  coir  dhuinn 
dealbh  Dhe  a  tharruing ;  nach  coir  dhuinn 
ainm  naomh  an  Tighearna  a  thoirt  an 
diomhanas ;  ach  cha'n'eil  iad  ag  iarraidh 
oirnn  Dia  a  ghradhachadh.  A  thaobh  ar 
coimhearsnaich  tha  na  seann  aitheantan  a' 
teagasg  nach  coir  dhuinn   ar  ooimhearsnach 


1927. 


a  mharbhadh  ;  no  a  chuid  a  ghoid ;  no  breugan 
a  dheanamh  uime;  no  a  chuid  a  shanntach- 
adh;  ach  cha'n'eil  iad  ag  iarraidh  oirnn  ar 
coinihearsnach  a  ghradhachadh.  Cha'n  e 
Maois  ach  Criosd  a  theagaisg  an  aithne 
nuadh  so,  an  aithne  a  tha  'n  a  clach-mhuU- 
aich  OS  cionn  chaich  uile,  Gradhaichidh  tu  an 
Tighearna  do  Dhia  1©  d'  uile  chridhe  agus  le 
d'  uile  anam,  agus  do  choimhearsnach  mar 
thu  fein." 

Mar  so  tha  e  comasach  do  dhuine  na  seann 
aitheantan  a  choimhead,  ann  an  deaoh 
thomhas,  ach  fhathast  -a  bhi  fada  fada  air 
falbh  bho  Chriosd  agus  bho  spiorad  an  t-sois- 
geil — "Ged  labhrainn  le  teangaibh  dhaoine 
agus  aingeal  agus  gun  ghradh  agam,  cha'n 
'eil  annam  ach  neo-ni."  "Ged  robh  gach  uile 
eolas  agam  agus  gach  uile  ghne  chreidimh, 
agus  gan  ghradh  agam,  cha'n'eil  tairbhe  air 
bith  dhomh  ann." 

Is  maith  a  thuig  an  t-abstol  Eoin  inntinn 
Chriosd  anns  a'  chuis  so,  oir  tha  na  litrichean 
a  sgriobh  e  ag  ardachadh  a'  ghraidh  air  a 
h-uile  duilleig  : — 

An  ti  aig  a  hheil  grddh  d'a  bhrdthair  tha 

e  'n  a  chomhnuidh  ' s  an  t-solus. 
An  ti  a  tha  fuathachadh  a  bhrdthar  tha 

e  anns  an  dorchadas. 
Ge    b'e    neach   aig   a    bheil    maoiii  an  t- 
saoghail  so,  agus  a  chi  a  bhrdthair  ann 
an     uireasbhuidh,  agus  a  dhruideas  a 
chridhe  'na  aghaidh,     cioniius    a    tha 
grddh  Dhe  a'  gabhail  cbmhnuidh  ann% 
Gach   neach   a  ghrddhaicheas,   ghineadh 
o  Dhia  e,  agus  is  aithne  dha  Dia. ;  ach 
an  ti  nach  grddhaich  cha'n  aithne  dha 
Dia,  oir  is  grddh  Dia. 
An  ti    nach    grddhaich    a    bhrdthair    a 
chunnaic   e,   cionnus  a  dh'  fheudas    e 
Dia  nach  faca  e  a  ghrddhachadhi 
Tha  sinne  cho  eolach  air  na  briathran  sin 
's   nach    duisg   iad   an   diugh   an   dara   cuid 
ionghnadh  no  naire  'n  ar  cridheachan,  ach  ma 
thoisicheas  sinn  air  sinn  fhein  a  cheasnach- 
adh  ann  an  solus  an  teagaisg  so  c'aite  a  bheil 
ar   seasamh   againn?        Ma  tha  thu   ann   an 
droch  run  ri  do  choimhearsnach  c'aite  a  bheil 
do   sheasamh   agad   ach   anns  an   dorchadas? 
Ma  tha  eud  no  famnad  no  fearg  no  gamhlas 
ann    ad  chridhe  theireadh   an   t-abstol   Eoin 
nach   do   rainig  thu   an  solus    fhathast  agus 
nach  'eil  eolas  agad  air  Dia.     Ach  tha  cog- 
uisean  Chriosduidhean  an  diugh  air  fas  cho 
maol  's  nach  cuir  e  dragh  no  eagal  air  bith 
orra   an   aithne   so   a  bhriseadh   agus  cleach- 
dadh  Criosdail  a  bhraithreachais  a  chur  an 
suarrachas, 


14 


An  uair  a  blia  an  t-abstol  Eoiii  'na  fhior 
sheann  duine,  cho  sean  's  nach  b'  urrainn  da 
seasamh  air  beulaobh  coimhtliionail  na  b' 
fhaide  na  niionaid  no  dlia,  bhiudli  na  braitli- 
rean  eile  'ga  ghiulan  a  steach  do'n  choinn- 
eamh  ann  an  cathair  agus  'g  a  chur  'n  a 
shuidhe  air  beulaobh  a'  choimhthionail,  air 
ghaol  gu'ni  beannaicheadh  e  an  sluagh.  Agus 
b'e  so  na  facail  a  bhiodh  e  ag  vadh  daonnan, 
Mo  cJilann  hheag,  gradhaichihh  a  clieile. 
Thubhairt  cuid-eigin  ris  aon  la  "'  Car  son 
a  tha  sibh  ag  radh  sin  daonnan?"  Fhreag- 
air  Eoin,  "  Tha  a  chionn  nach  'eil  an  corr 
ann  ri  radh;  is  e  aithne  Dhe  gu'n  gradh- 
aicheadh  a  chlann  a  cheile. 

Dh'  ionnsaich  an  t-abstol  Eoin  teagasg  a 
Mhaighstir  gvi  maith ;  dh'  ionnsaich  e  gur  e 
gradh  a  bhi  anns  a'  chridhe,  gradh  do  Dhia 
agus  do  dhaoine,  toiseach  agus  meadhon  agus 
deireadh  na  diadhaidheachd. 

Bidh  daoine  ris  nach  cord  an  teagasg  so 
a'  feuchainn  ri  duileadasan  a  chur  ann  :  their 
iad  ciamar  is  urrainn  do  dhuine  a  nainih- 
dean  a  ghradhachadh  mar  a  ghradhaicheas 
e  a  chairdean  ;  ciamar  is  urrainn  da  a  choimh- 
earsnach  a  ghradhachadh  mar  a  ghradhaich- 
eas e  a  mhathair  1  Ach  b'  aithne  do  Eoin 
nadur  mhic  an  duine  a  cheart  cho  mhaith  's 
is  aithne  do  na  daoine  sin,  agus  cha  'n 
iarradh  e  air  duine  air  bith  saltairt  air  na 
faireachduinnean  nadurra  a  chuir  Dia  'n  a 
chridhe.  Ach  is  e  an  fhirinn  nacK  teid 
duine  air  bith  air  seachran  anns  a'  chuis  so 
ma  tha  toil  cheart  aige.  Cha'n'eil  Criosd  ag 
iarraidh  oirnn  an  gaol  a  tha  againn  air  ar 
mathraichean  no  air  ar  mnathan  a  thoirt  do 
choimhearsnaich,  ach  tha  e  ag  iarraidh  oirnn 
a  bhi  coibhneil  agus  braithreil  agus  baigheil 
riu  mar  bu  mhaith  leinn  iadsan  a  bhi  ruinn 
fhein ;  tha  e  ag  iarraidh  oirnn  a  bhi  a' 
smuaineachadh  air  nithean  dhaoine  eile  agus 
air  cor  dhaoine  eil©  cho  mhaith  ris  na 
nithean  againn  fhein. 

Feumaidh  sluagh  ^an  Tighearna  am  beatha 
a  riaghladh  le  lagh  as  airde  agus  le  lagh  as 
fhearr  na  doighean  agus  cleachdannan  an  t- 
saoghail.  Cha'n'eil  maith  dhaibh  olc  iocadh 
air  son  \\\\c;  cha'n'eil  maith  dhaibh  buille  air 
a'  bhuille  a  thoirt  do  dhuine  tuasaideach  no 
facal  air  an  fhacal  a  thoirt  do  dhuine  fear- 
gach.  Feumaidh  seirbhiseach  an  Tighearna 
a  bhi  ciuin,  caomhail,  gradhach ;  a  bhi  deas 
gu  moille  a  chur  air  a  cheum  mar  a  rinn  an 
Samaritanach  los  gniomharan  na  trooair  a 
choimhlionadh  d'a  bhraithrean.  "  Uime  sin 
ma  bhios  do  namhaid  acrach,  thoir  biadh  dha  ; 
ma  bhios  e  tartmhor  thoir  deoch  dha- :  na 
tugadh  buaidh  ort  leis  an  olc,  ach  thoir-sa 
bu>aidh  air  an  olc  leis  a'  mhaith."  Nach  ard 
agus  nach  domhain  agus  nach  duilich  an 
aithne  nuadh  so!       Co  a  tha  comasach  air 


umhlachd  a  thoirt  do'n  lagh  so  gu  h-iomlan? 
Ach  an  ni  a  tha  eTi-comasach  dhuinn  'n  ar 
neart  fein  ni  Dia  comasach  dhuinn  le  comh- 
nadh  a  Spiorad  Naoimh.  dun  cridhe  nuadh 
cha'n  nrrainnear  an  aithne  nuadh  a 
choimhead.  "Cruthaich  annam  cridhe  glan, 
a  Dhe,  agus  ath-nuadhaich  spiorad  ceart  an 
taobh  a  stigh  dhiom. 

A  thaobh  gradh  braithreil  tha  sinn  uile  a' 
teachd  gearr ;  ach  cho  fada  's  a  bhios  e  a' 
cur  dragh  air  ar  coguis  nach  'eil  sinn  cho 
dleasdanach  no  cho  coibhneil  ri  ar  ooimh- 
earsnaich  's  a  bu>  choir  dhuinn  a  bhith  tha 
lasag  bheag  de'n  t-solus  a:  tha  o  shuas  beo 
annainn.  Ach  ciod  a  theirear  ri  daoine  a 
tha  fo  ainm  Chriosduidhean  agus  a  bhios  a' 
dol  do'n  aon  eaglais,  agus  ag  61  as  an  aon 
chupan  air  la  a'  chomanachaidh,  ach  nach  do 
sheas  ann  an  tighean  a  cheile,  agus  nach  do 
bhruidhinn  ri  cheile,  agus  nach  do  labhair 
facal  maith  mu  chach  a  cheile,  bho  chionn 
sheachd  bliadhna,  ged  nach  'eil  ceud  slat 
eadar  na  dorsan  aca?  Ciod  a  theirear  riu  ach 
gu'n  cuireadh  an  dol-a-mach  mulad  air  cridhe 
Eoin,  agus  na's  miosa  air  fad,  gu  bheil  e  a' 
cur  mulaid  air  cridhe  an  t-Slanuigheir  a 
bha^aich  gus  daoine  a  dheanamh  reidh,  cha 
'n  e  mhain  ri  Dia,  ach  ri  each  a  cheile ! 
"  Aithne  nuadh  tha  mi  a'  toirt  dhuibh,  gu'n 
gradhaich  sibh  a  cheile  :  le  so  aithnichidh  na 
h-uile  dhaoine  gur  sibh  mo  dheisciobuil-sa 
ma  bhios  gradh  agaibh  d'a  cheile." 

An  aithnichear  leis  a'  chomharradh  so  c' 
aite  a  bheil  ar  comhnuidh  againne, — anns  an 
t-solus  no  anns  an   dorchadas? 


AN  T-AINM  MILLS. 

Cha'n'eil  doigh  as  fhearr  air  cumhachd 
Chriosd  agus  obair  grais  anns  an  anam  a 
nbchdadh  do'n  t-saoghal  na  iomradh  a  dhean- 
amh air  daoine  sonraichte  anns  an  robh 
cumhachd  Chriosd  air  fhoillseachadh  gu 
soilleir.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  dol  a 
sgriobhadh  air  an  duilleig  so  mu  Iain  Newton, 
searmonaiche  ainmeil  a  bha  ann  an  Sasunn 
anns  an  ochdamh  linn  deug. 

An  laithibh  oige  bha  e  mi-churamach  is 
aingidh  os  cionn  dhaoine  eile;  chaidh  e  gu 
muir  comhla  ri  athair  mu'n  robh  e  ach  da 
bhliadhna  dheug  a  dh'  aois,  agxis  am  measg 
sheoladairean  agus  am  bailtean-puirt  dh' 
ionnsaich  e  gach  seorsa  uilc  a  b'  urrainn  do 
bhalach  6g  ionnsachadh.  Thuit  e  air  falbh 
gu  buileach  o  gach  cleachdadh  a  tha  glan  is 
urramach,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
thuit  e  air  falbh  gu  buileach  o'n  chreideamh 
anns  an  do  theagaisg  a  mhathair  e.  Dh' 
fhas  e  'n  a  ana-creideach,  agus  cha  robh  rud 
a  b'  fhearr  leis  na  bhi  a'  connsachadh  ri 
daoine  eile  nach  robh  Dia  ann, 


15 


Fad  greis  blia  e  aim  an  te  de  na  soilhichean- 
cogaidh  ach  bha  a  tlieanga  cho  salach  agiis  a 
gWioinliaran  chu  aiu-diadhaidh  's  gu'n  do 
chuireadh  aisde  e,  is  bha  e  air  a  sgiursadh 
gu  follaiseach  luar  dhroch  dhuine  am  baile 
PhlyiJiouth. 

An  sin  fhuair  e  obair  ann  an  Africa  bho 
dhuine  a  bha  deanamh  airgid  le  bhi  reic 
thraillean  ;  bha  e  'n  a  bhruid  cho  mor  's  nach 
robh  siiim  aige  do  Dhia  no  do  dhaoine,  is 
thuit  e  cho  losal  's  nach  robh  eadhon  na  daoine 
dubha  toileach  bruidhinn  ris.  Ach  ghabh 
sgiobair  Sasunnach  a  thachair  air  ann 
an  Africa  truas  dheth  is  thug  e  dha  aite  air 
a'  bhata  aige  fhein. 

Air  dhoigh  air  chor-eigin  niu'n  am  so 
fhuair  e  greim  air  an  leabhar  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  Tomas  a  Kempis,  Leanmhuinn 
Chriosd.  Dhuisg  an  leabhar  sin  a  choguis 
agus  thoisich  ©  air  a  radh  ris  f6in,  ciod  ma 
tha  na  nithean  so  fior  ?  Thoisich  e  air 
urnuigh,  agus  gus  an  naigheachd  a  dheanamh 
goirid  bha  e  air  iom^Dachadh. 

An  uair  a  bha  e  air  iompachadh  thainig 
iarrtus  laidir  'n  a  chridhe  feuchainn  ris  an 
olc  a  rinn  e  'na  oige  a  dhioladh  le  seirbhis  a 
dheanamh  do  eaglais  Dhe,  agus  thoisich  ©  air 
e  fein  ullachadh  air  son  searmonachaidh.  Bha 
e  air  a  choisrigeadh  mar  mhinisteiar  anns  an 
eaglais  Shasunnaich  agus  air  a  shuidheach- 
adh  ann  an  Olney,  aite  a  tha  ainmeil  an 
diugh  a  chionn  gur  h-ann  ann  an  Olney  a 
thachair  Iain  Newton  agus  am  bard  Cowper 
air  a  cheile,  agus  a  rinn  iad  an  leabhar  sin 
ris  an  abrar,  Laoidhean  Olney. 

Tha  cuid   de  laoidhean  Iain  Newton  anns 
na     leabhraichean-laoidh    againne    anns    an 
eaglais  Chleirich,   ach  tha  aon  te  ann  a  tha 
anabarrach     boidheach     is    mills,     laoidh     a 
chumas  ainm  air  chiiimhne  gu  brath  : — 
Gia  mills  ain?7i  an  t-Sldnuighear  chaoimJi, 
An  clnns  a'  chreidmhich  hhochdl 
Caisgidh  e  b?^dn  is  I  eon  nan  naonh, 
Gun  eagal  on-'   roiinh  lochd. 
An  spiorad  hritiie  ni  e  sldn, 
A'  fuadach  crdidh  o'n  chridh'  ; 
Ma?-  mhana  ni  e  'n  t-acrach  laii, 
'S  hheir  ta.mh  dd'n  asfrach  sg/fh. 
Is  rud  iongantach  e  gu'm  biodh  aon  de  na 
laoidhean  as  milse  air  a  sgriobhadh  le  duine 
doirbh ;  gu'm  biodh  laoidh  a  tha  our  an  ceill 
gradh  an  anama  do'n  fhear-shaoraidh  air  a 
sgriobhadh   le    duine    cho    aingidh    ri    Iain 
Newton  a  chuir  s-eachd  dara  leth  a  bheatha  a' 
mallachadh  ainm  losa.      Ach  theagamh  nach 
'eil  an  rud  cho  iongantach  idir  :  tha  cuimhne 
agaibh   air   an   naigheachd  a   dh'    innis  losa 
do  Shimon  mu'n  dithis  dhaoine  air  an  robh 
fiachan.  Bha     aig     fear-iasachd     draidh 

fiaeluin  air  dithis  dhaoine  :  air  fear  dhiuhh 
bha  aige  cdig  cend    jyeighivn,    agus    air    an 


fhear  eile  leth-chetid-  Agus  a  chionn  nach 
rohli  aca  ni  Ids  an  dinladh  iad ,  mliaifh  e  am 
fiachan  dhaihh  le  cheile.  (Jo  aca,  uime  sin, 
is  ind  a  ghrddhaicheas  e'l  Thuhhairt  Simon 
Tha  mi  a  meas  gur  e  am  fear  d'  am  mo  a 
mhaith  e.  Agus  thuhhairt  losa  ris,  Is  cearf  a 
thug  thu  hreith.  'Na  shiiilean  fein  bha  Iain 
Newton  'g  a  fhaicinn  fein  mar  am  fear  air  an 
robh  coig  ceud  peighinn  de  fhiachan  aig  Dia, 
agus  an  uair  a  fhuair  e  na  fiachan  sin  uile 
air  am  maitheadh  dha  le  saor  ghras  an 
Tighearna  bha  a  chridhe  air  a  leaghadh  an 
taobh-a-stigh  dheth  le  ionghnadh  is  gradh. 

Ciod  a'    bhann    as    laidire    a    tha    ceangal 
cridheachan  chreidmheach  ris  an  Tighearna 
losa.      Tha,   taingealachd  air  son  na    rinn  e 
agus  na  dh'  fhuiling  e  air  an  son.      Sin   an 
tobar  as  an  d'  thainig  an  eaglais  ;  an  steidh 
air  a  bheil   an  eaglais  air  a  togail.       Cha'n 
urrainn  duine  an  Tiomnadh  Nuadh  a  leugh- 
adh  gun  fhaicinn  agus  gun  fhaireachduin  gu 
robh  na  daoine  a  sgriobh  e  a'  deanamh  gair- 
deachais  ann  an  ni-eigin  a  bha  dhaibh  fein 
cho  iongantach  agus  cho  glormhor  's  gu  robh 
e  duilich  dhaibh  briathran  fhaotainn  leis  an 
innseadh  iad  e  do   dhaoine  eile  ;  ni-eigin   a 
bha   cur    aoibhneis   'n    an   cridhe   agus   oran 
nuadh  'n  am  beul.     Tuigidh   a  h-uile  duine 
a  fhuair  maitheanas  bho  Dhia,  agus  d'  an  do 
chuir  Dia  foluch  air  a  chionta,  tuigidh  e  an 
taingealachd  so  a  bha  ann    an    cridheachan 
nan  ceud  chreidmheach;  a'  cheart  fhaireach- 
duin a  bha  ann   an  cridhe  Iain   Newton    an 
uair  a  sheinn  e, — 
Ge  nieata  ?n'  oidhirpean  an  trdfhs, 
Ge  fann  mo  ghrddh  ' s  'mo  ghloir, 
'Nuair  hhios  mi  niaille  rint  gu  h-drd 
Molaidh  mi.  mar  is  cdir. 
Gu  sin  biodh  plosgartaich  mo  chre 
A'  cur  an  geill  do  ghrdis, 

'S  biodh  d'  ainm  'na  c.hedl  dJiomli  fad  mo  re, 
'S  'na.  steidh  aig  dm  mo  bhdis. 


SPERMOLOGOS. 

Sin  an  t-ainm  a  thug  cuid  de  na  h-Epi- 
curaich  anns  an  Aithne  air  Pol  an  uair  a 
shearmonaich  e  Criosd  dhaibh,  facal  a  tha 
air  eadar-theangachadh  anns  an  t-seann 
Bhiobuill  Ghaidhlig,  fear  bith-bhriathrach, 
agus  anns  a'  Bhiobull  ur,  fear  faoin-briath- 
rach.  Cha  b'  ann  a  mholadh  Phoil  a.  thug 
iad  dha  an  t-ainm  ud  ach  'g  a  dhiomoladh  ; 
bha  iad  a'  ciallachadh  nach  robh  ann  ach 
gobaire  no  glagaire  ;  duine  aig  an  robh  sruth 
cainnte  anns  nach  robh  tur  no  seadh.  An 
uair  a  theirear  spermologos  ri  duine  is  e  an 
dealbh  a  dh'  eireas  fa  chomhair  'n  a  h-inntinn 
duine  a  bhios  a'  cruinneachadh  nithean  neo- 
nach  mar  gu'm  biodh  eun  a'  leumartaich  air 


16 


dunan  no  air  an  rathad,  a'  togail  spilgeinean 
sil  no  sbiuileach  air  bith  eile  a  thachras  air. 
Tha  mise,  a  leughadair,  a'  del  a  dheanamh 
spermologos  dhiojn  fliein  agus  a'  dol  a  cliruin- 
neachadh  air  do  shon-sa  spilgeinean  sil  a  sean- 
chas  Mhartainn  Luther,  cruithneachd  agus 
cha'n  e  seagall. 

Ann  an  aon  aite  tha  e  ag  radh  gur  e  na 
deuchainnean  agus  na  buairidhean  a  thainig 
thuige  a  rinn  cho  eolach  anns  a'  Bhiobull  e 
's  a  bha  e.  "  Thug  iad  orm,"  ars'  esan, 
"  cladhach  donihain  anns  an  Fhirinn  :  gun 
dragh  cha  tuig  neach  air  bith  an  sgriobtur. 
Bha  dragh  agus  deuchainnean  gu  leoir  agam- 
sa ;  bha  am  Papa,  agus  na  h-oilthighean,  agus 
daoine  ionnsaichte,  agus  an  Diabhol  fein,  uile 
'nam  aghaidh,  is  chuir  sin  a  dh'  ionnsuidh 
a'  Bhiobuill  mi." 

An  uair  a  chuir  duine-eigin  a'  cheist  air 
Augustine,  c'aite  an  robh  Dia  m'an  do  rinn 
e  neamh  thubhairt  Avigustine  gu  robh  e  aim 
fein.  Chuir  duine  air  chor-eigin  a'  oheart 
cheist  so  air  Luther,  ach  b'e  an  fhreagairt  a 
thug  esan,  "  Bha  e  a'  deanaanh  deas  if  rinn 
airson  peasain  dhahna  mar  tha  thu  fein." 
x\n  sin  chaidh  e  air  aghaidh  gu  bhi  labhairt 
air  morachd  Dhe  agus  nadur  Dhe.  "  Tha 
Dia,"  ars'  esan,  "anns  a  h-uile  aite  agus  cha 
'n'eil  e  ann  an  aite  idir ;  tha  e  eu-comasach  do 
dhuine  beantail  ris  no  a  lorgachadh  an  taobh 
a  mach  d'a  fhacal.  Tha  Dia  r'a  fhaotainn 
far  an  do  gheall  ©  fein  gu'm  faighteadh  ©; 
fhuair  na  h-Iudhaich  ann  an  Jerusalem  e, 
aig  cathair  na  trocair.  Tha  sinn©  'g  a 
fhaotainn  anns  a'  Bhiobull,  anns  na  sacra- 
maidean,  agus  ann  an  urnuigh,  ach  'n  a  bhith 
agus  'n  a  nadur  agus  'na  mhorachd  fein  co 
a  ruigeas  air  no  a  thuigeas  e?" 

"  M'an  do  thionndaidh  mi  an  Tiomnadh 
Nuadh  as  a'  Ghfeigis  bha  an  sluagh  'g  a  ionn- 
drainn  agus  'ga  iarraidh  ach  a'  cheart  cho 
luath  's  a  thug  mi  dhaibh  e  'nan  cainnt  fein 
dh'  fhas  iad  coma  dheth.  Dh'  fhas  iad  suarr- 
ach  uime  agus  dh'  iarr  iad  leabhraichean 
Mhaois  ;  thug  mi  dhaibh  leabhraichean  Mhaois 
ach  ann  an  nine  ghoirid  dh'  fhas  iad  sgith 
dhiubhsan.  An  sin  mhiannaich  iad  na  sailm 
fhaotainn  ;  thug  mi  dhaibh  na  sailm  ach  dh' 
fhas  iad  sgith  de  na  sailm  cuideachd.  Sin 
mar  tha  muinntir  an  t-saoghail :  cha  'n  fhan 
iad  air  an  aon  chursa  f  ada ;  tha  iad  daonnan 
ag  iarraidh  nithean  ura." 

"  Ma  bu  mhaith  leat  fearg  no  carraid  a 
chur  air  an  Diabhol  cha'n'eil  agad  ach  tois- 
eachadh  air  Criosd  a  shearmonachadh  agus  a 
mholadh.  Tha  ainm  mills  losa  mar  gu'm 
biodh  droch  aileadh  ann  an  cuinnlein  an 
Diabhoil  :  cha  'n  urrainn  e  fantuinn  fo  na 
h-aon  sparran  ri  losa.  Cha'n'eil  spiorad  eile 
anns  a'  chruthachadh  cho  carach  no  cho 
m^aUtach   ris  an  Diabhol ;  thig  e  gu  daoine 


ann  am  mile  cruth  ach  daonnan  air  dhroch 
thurus.  Air  uairean,  an  uair  a  dh'  fhairt- 
lich  e  orm  teicheadh  a  chur  air  leis  an  sgriob- 
tur thoisich  mi  air  magadh  a  dheanamh  air, 
ag  radh  ris,  A  Shatain  bheannaichte,  nach 
dean  thiisa  {irtiuigh  air  mo  shoti  ri  Dial  An 
raoir  agus  mi  air  dusgadh  as  mo  chadal 
thainig  an  Diabhol  thugam  is  thuirt  e  rium, 
'  Tha  Dia  fada  bhuait  agus  cha  chluinn  e  d' 
urnuigh.'  '  Mur  cluinn,'  thubhairt  mise  ris 
*  glaodhaidh  mi  na's  airde.'  " 

"  Is  iad  so  na  talantan  a  Iha  feuraail  do 
shearmonaiche  maith  a  bhi  aige  gu  nadurra; 
a  bhi  ordail  'n  a  sheanchas ;  a  bhi  deas  agus 
geur  'na  fhacal ;  a  bhi  maith  air  bruidhinn ; 
guth  maith  a  bhi  aige;  a  bhi  soilleir  'n  a  inn- 
tinn  fhein  eiod  a  tha  e  a'  creidsinn ;  agus  a 
bhi  coma  ged  bhiodh  an  saoghal  a'  deanamh 
tair  air  agus  a'  magadh."  B'abhaist  do 
Luther  a  bhi  ag  radh  gu  robh  searmonaiche 
nach  leanadh  ris  a'  cheann-teagaisg  ach  a 
bhiodh  a'  bruidhinn  air  fichead  cuspair  anns 
an  aon  searmon  coltach  ri  cu  a'  oomhartaich 
ris  a'  ghealaich. 

An  uair  a  bhiodh  a  chridhe  trom  no  fo 
thrioblaid  cha  b'  urrainn  Luther  fantuinn 
leis  fhein  :  dh'  fheumadh  e  seanchas  a  dhean- 
amh ri  ceud-eigin,  ged  b'e  paisde  a  thachradh 
air.  "Seach  a  bhi  a'm'  onrachd,"  thubhairt  e, 
"  an  msl'iv  a  thig  amhghar  thugam,  b'  fhearr 
leam  ruith  a  mach  agus  dol  am  measg  nam 
muc  fhein.  Tha  cridhe  mhic  an  duine  mar 
gu'm  biodh  clach-mhuilinn  :  ma  chuireas  tu 
cruithneachd  foidhpe  bidh  an  cruithneachd 
air  a  bhleith  agus  air  a  dheanamh  'n  a  mhin 
mhin ;  mur  cuir  thu  cruithneachd  foidhpe 
theid  a'  chlach-mhuilinn  mu'n  cuairt  mar  bha 
i  a'  deanamh,  ach  an  aite  bleith  a  dheanamh 
tha  i  'g  a  cosg  fhein.  Is  ann  mar  sin  a  tha 
cridhe  mhic  an  duine  :  mur  bheil  an  cridhe  air 
a  lionadh  le  smuaintean  agus  riiintean  ceart 
gheibh  an  diabhol  cothrom  air  dol  a  steach 
do'n  aite  a  tha  falamh  agus  bheir  e  leis  feachd 
uamhasash  de  dhroch  smuaintean  agus  de 
bhuairidhean,  nithean  a  chnamhas  agus  a 
chosgas  an  cridhe." 

Ged  bha  Luther  'n  a  sgoilear  maith,  agus 
ged  chuir  e  seachad  a  bheatha  a'  craobh- 
sgaoileadh  soluis  agus  saorsa.,  cha  robh  e  an 
dull  gu  robh  e  maith  do'n  t-saoghal  uiread 
leabhraichean  a  bhi  air  an  sgriobhadh.  Ach 
ciod  a  theireadh  e  na'm  faiceadh  e  leabh- 
raichean an  la  diugh?  Bhiodh  e  ag  radh  gu 
robh  lionmhorachd  nan  leabhraichean  a' 
cumail  dhaoine  o  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill, 
an  aon  leabhar  a  bu  choir  a  bhi  ann  an 
lamhan  dhaoine.  Bhiodh  e  ag  radh  cuideachd 
gu  robh  fiabhrus-sgriobhaidh  a'  tighinn  air 
daoine  mar  ghalairean  eile,  air  a  thogail  ann 
an  cuid  le  gl^ir-mhiann,  ann  an  cuid  eile  le 
amaideas,  ann  an  cuid  eile  le  gaol  an  airgid, 


Air.  5. 


1927. 


FAGAL   CRUAIDU. 

Gach  neach  a  lahJnas  faced  an  agliaidli 
Mhic  an  diiine,  maithcar  dlia  e;  ach  dliasan 
a  labhras  toibheum  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoimh,  cha  mhaitheo.r  e. — Lucas,  xii,  10. 

Cha  'n  e  nihain  guv  facal  cruaidh  e,  ach 
is  facal  eagallach  e;  facal  a  chuireas  goiri.s- 
inn  air  ai'  feoil  an  uair  a  leughas  sinn  e. 
Cha'n'eil  tigh-cuthaich  aims  an  duthaich  anns 
nach  'eil  cuid-eigin  a  bha  air  a  chur  ann  leis 
an  fhacal  so  :  chaidh  iad  as  an  lian  le  eagal 
gu'n  do  pheacaich  iad  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoinih  agus  gu'n  robh  iad  air  an  dunadh  a 
niach  o  throcair  Dhe.  Theab  am  facal  so 
Iain  Bunian  a  chuir  cearr  anns  an  inntinn  : 
bha  e  'n  a  uallach  agus  'n  a  eagal  dha  fad 
ioinadh  latha. 

Ach  air  a  shon  sin  bha  am  facal  so  air  a 
labhairt  leis  an  neach  a  bu  chaomhaile  a  bha 
riamh  air  Ihalamh ;  neach  nach  abradh  rud 
nach  ro))h  fior  agus  nach  cuireadh  eagal  air 
a  bhrailhrean  gun  aobhar. 

Ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh?  Ciod  am 
mughadh  a  tha  eadar  facal  a'  labhairt  an 
aghaidh  Mhic  an  duine  agus  facal  a  labhairt 
an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimhl  Shaoil- 
eadh  tu  gu  lobh  an  dara  rud  a  chea)-t  cho 
dona  ris  an  rud  eile,  agus  nach  robh  annta 
ach  an  aon  seorsa  peacaidh.  Ach  ann  an 
suilean  Chriosd  tha  an  da  rud  so  cho  fada  o 
cheile  's  a  tha  an  aird  an  Ear  o'n  aird  an 
lar. 

Ann  an  laithean  fheola  labhair  daoine. 
agus  eadhon  a  theaghlach  fein,  an  aghaidh 
Mhic  an  duine  :  shaoil  iad  aon  uair  gu  robh 
6  air  ddl  as  a  chiall  agus  thuirt  iad  gu'ni 
feumadh  iad  curam  a  ghabhail  dheth.  Bha 
iad  'g  an  cunntas  fein  glic  agus  crionna. 
agus  a'  sealltuinn  airsan  mar  nach  robh  e 
uile  gu  leir  ann.  Sin  an  rud  ris  an  abradh 
losa  facal  an  aghaidh  Mhic  an  duine,  ach  do 
bhrigh  nach  b'e  olcas  an  cridhe  ach  an  t-ain- 
eolas  a  thug  orra  sud  a  radh  tha  losa  ag  radh 
gii'm  maithear  dhaibh  e. 

Chunnaic  iad  an  deidh  laimhe  g"u  robh  iad 
fada  fada  air  seachran  is  dh'  aidich  iad  nach 
b'e  duine  air  a'  chuthach  a  bha  ann  idir  ach 
Criosd,  mac  an  De  hheo. 

Ge  b'  e  aite  anns  an  ainmichear  ainm  losa 
an  diughtha  e  a'  togail  comhstri ;  tha  cuid 
air  a  thaobh  is  cuid  'n  a  aghaidh.  Tha  cuid 
a'  labhairt  'na  aghafdh  agus  a'  c'umail  a  mach 
nach  robh  ann  acli  duine  coltach  ruinn  fhein, 
agus  nach  robh  iighdarras  air  bith  aige  bho 
Phi  a  fich  an  t-ughdarras  a  tha  aig  a  h-uile 


duine  diadhaidh.  Cha'n  e  sin  fianuis  na  h- 
eaglais,  no  fianuis  dhaoine  diadhaidh  anns 
gach  linn,  no  fianuis  losa  fein,  agus  dh' 
fheumadh  duine  a  bhi  gu  maith  cinnteach  as 
fein  m'  an  rachadh  e  an  aghaidh  a  leithid 
sin  de  fhianuis. 

An  uair  a  tha  daoine  a'  toirt  breith  air 
losa  is  e  an  fhirinn  gu  bheil  iad  a'  toirt 
breith  orra  fein;  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
cha  'n  e  a'  bhreith  a  bheir  sinne  air  Mac  an 
duine  a  dh'  fhireanaicheas  no  a  dhiteas  sinn 
ach  a'  bhreith  a  bheir  esan  oirnne.  Agus  ciod 
air  bith  eile  a  tha  am  facal  so  a'  ciallachadh 
tha  e  a'  ciallachadh  gu'm  bu  choir  do  dhaoine, 
an  uair  a  labhras  iad  uime,  labhairt  uime 
le  urram  agus  le  mothachadh  geur  air  an 
astar  a  tha  eadar  iad  fein  agus  esan.  Cho 
fada  agus  a  tha  gaol  na  firinir  ann  an  cridh- 
eachan  dhaoine  agus  urram  aca  do  Dhia  agus 
do  dhiadhaidheachd  bheir  Dia  maitheanas 
ilhaibh  eadhon  ged  bhiodh  iad  cearr  'n  am 
beachdan  a  thaoV>h  puingean  creidimh  agus 
a  thaobh  am  beachdan  air  Mac  an  duine. 
Bheir  e  maitheanas  dhaibh  a  chionn  gur  h- 
aithne  dha  nach  e  olcas  an  cridhe  a  tha  'g  an 
cur  cearr. 

Ach  dhasan  a  labhras  toibheum  an  aghaidh 
an  Spioraid  Naoimh,  cha  mhaithear  e.  Ciod 
am  peacadh  a  bha  e  a'  ciallachadh  le  toibh- 
eum an  aghaidh  an  Spiorafd  Naoimh  ?  Bha 
peacadh  dhaoine  a  tha  dol  air  seachran,  cha 
'n  ann  le  aineolas  ach  le  olcas  agus  naimh- 
deas  an  cridheachan  fein.  B'e  sin  peacadh 
nam  Pharasach.  Chunnaic  iad  oibrichean 
maithe  agus  chuala  iad  briathran  spioradail 
Mhic  an  duine  ach  cha  do  rinn  sin  driiidh- 
eadh  air  bith  air  an  cridheachan ;  chunnaic 
iad  a  mhioi-bhuilean  agus  b'  aithne  dhaibh 
daoine  a  leighis  e  agus  as  an  do  thilg  e  a 
mach  deamhain,  ach  an  aite  nan  oil)richean 
maithe  sin  aideachadh  agus  moladh  a  thoirb 
do  Dhia  air  an  son,  thuirt  iad  gu  I'obh  e  ann 
an  co-bheinn  ris  an  Diabhol.  B'  fhearr  leo 
gloir  a  thoirt  do'n  Diabhol  seach  cumhachd 
losa  aideachadh  an  lathair  an  t-sluaigh.  Sin 
an  staid  inntinn  agus  an  staid  ci'idhe  ris  an 
abrar  toibheum  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoimh,  agus  tha  Criosd  ag  radh  gur  peacadh 
e  nach  fhaigh   maitheanas  gu  brath. 

Cha  'n  fhaigh  a  chionn  gu  bheil  na  daoine 
toibheumach  so  air  an  cruadhachadh  cho  moi- 
anns  an  olc  's  nach  aidich  iad  an  cionta 
agus  nach  iarr  iad  maitheanas.  Tha  iad  fo 
dhiteadh  na  feadhnach  a  ghradhaich  an  dorch- 
adas  na's  mo  na'n  solus  a  chionn  gu  robh  an 
o'niomharan  olc. 


is 


Mar  thubhiiiit  mi  cheaiia  is  I'ueal  cruaidli 
am  t'acal  so;  tlia  u  elio  cruaiilli  agus  cliu  eag- 
allauli  's  gur  li-iuu  do  dluiine  a  blii  aiiabai- 
rach  cuiamach  'g  a  luhiueai'hadli.  iJli' 
iheuch  mi  vi  radh  ciod  a  tha  e  a'  cialladiadli 
ach  air  eagal  's  nach  do  rinn  mi  sin  soilleir 
gu  leoir  bu  mhaith  leam  a  radh  cuideachil 
ciod  nach  'eil  e  a'  ciaHachadh.  Clra'n'eil  e 
a'  ciallachadh  nach  cisd  Dia  ri  urnuigh  a' 
pheacaich  as  miosa  air  thalamh  nia  dh'iarras 
e  maitheauas.  Tha  Dia  maitii  agus  trocair- 
each  agus  bheir  e  maitheanas  gu  saor  eadhou 
do  cheann-feadhna  nam  peacach.  Cha  do 
ghaii'm  dnine  riamh  air  Dia  an  diomhanas. 
Ach  an  iiair  a  chruadhaicheas  duine  a  chridhe 
agus  a  mhuchas  e  a  choguis  'n  a  cheart  deoiii 
ciod  is  urrainn  Dia   tein  a  dheanamh? 

Cha'n  t'haodar  earrann  sam  bith  de'n  Bhio- 
bull  a  ghabhail  ann  an  seadh  a  tha  dol  an 
aghaidh  spiorad  is  teagasg  a'  Bhiobuill  fhein  ; 
agvis  a  reir  teagasg  a'  Bhiobuill,  cha  diult 
Dia  maitheanas  do  pheacach  air  bith  a  tha 
aithreachail.  Tha  trocair  Dhe  cho  farsuing 
ris  a'  chuan,  is  buan-mhaireannach  mar  na 
neamhan.  "  Co  an  Dia  ann  a  ta  cosmhuil 
riut-sa ;  a  mhaitheas  aingidheachd  agus  a 
ghabhas  seachad  air  easaontais  do  shluaigh, 
oir  ar  Dia-ne  cha  ghleidh  e  a  chorruich  gu 
siorruidh  do  bhrigh  gur  toigh  leis  trocaii." 
Cha'n'eil  Criosd  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal 
so  gu'n  tig  an  la  anns  nach  eisd  Dia  ri  iir- 
nuigh  a'  i)heacaich  ged  ghlaodhadh  e  ris  le 
aithreachas  agus  le  deuraibh.  Cha  b" 
urrainn  Criosd  .sin  a  radh  oir  bhiodh  e  calg- 
dhireadh  an  aghaidh  obair  a  bheatha  fein, 
agus  an  aghaidh  a  bhriathran,  An  ti  a  thig 
a'm'  ionnsuidh,  cha  til g  mi  nir  char  sam 
bith  a  mach  e.  Is  e  an  aon  pheacadh  a  tha 
siorruidh  cul  a  chur  ris  a'  mhaitheanas  a  tha 
air  a  thairgsinn. 

-Cha  ruig  duine  air  bith  a  leas  eagal  a  bhi 
air  gu'n  do  thuit  e  anns  a'  pheacadh  so  gun 
fhios  da,  no  gu'n  do  rinn  e  toibheum  an 
aghaidh  an  Spioraid  Naoimh  gun  a  bhi  'g  a 
chiallachadh.  Cha'n  e  iadsan  air  a  bheil 
ciiram  anama  no  eagal  breitheanais  a  tha 
ciontach  de'n  pheacadh  so  iilii',  ach  daoine  a 
tha  air  am  beo-ghlacadh  le  spiorad  Shatain 
cho  buileach  's  gur  fhearr  leo  an  t-olc  na  am 
maith,  gui-  fhearr  leo  Satan  a  ghlorachadh 
seach  aideachadh  gu  bheil  dad  maith  ann  an 
daoine  eile  no  ann  an  eaglaisean  eile  nach 
toigh  leo. 

Tha  an  leithidean  so  de  dhaoine  ann  ;  cha 
'n  e  mhain  gu  bheil  ia<l  ann  ach  tha  freumh 
bheag  de'n  inntinn  so  annainn  uile,  agus  ann 
an  cuid  againn  tha  am  freumh  cho  mor  agus 
cho  laidir  's  gu  bheil  feum  againn  an  ur- 
nuigh a  dheanamh  gach  latha,  Eannsaich  sinn 
a  Dhe,  agus  aithvich  ar  cridhe ;  dearbh  sinv 


aytis  i'uiy  ar  smaaliiican  ;  agus  ainhai/'c  a  bheil 
sliyhe  olc  aij-  hitli  auiiaiun,  agus  ii'cdraicJi, 
siii'ii,  anus  an  t-sUghe  shiarruid/i. 

iVn  uair  a  theirear  gu'n  do  jjheacaich  duine 
an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimh  cha'n  eilear 
a'  ciallachadh  gu'n  do  rinn  e  aon  ghniomh 
uamhasach  a  dhimas  a  mach  o  throcair  e,  no 
gu'n  do  labhair  e  facal  dana  no  ladarna  an 
aghaidh  treas  Pearsa  na  Trianaid  a  bheir 
sgi-ios  air  anam,  ach  gu  blieil  a  bheatha  uile 
calg-dhireach  an  agliaidh  na  firinn  agus  an 
t-soluis,  agus  an  aghaidh  inntinn  Dhe  agus 
spiorad  na  diadhaidheachd,  agus  rud  as 
miosa  air  fad,  gu  bheil  e  caoin-shuarach  ged 
tha.  Chunnaic  na  Phairisich  le  an  suilean 
maise  agus  cumhachd  na  diadhaidheachd  ann 
an  losa  ;  chunnaic  iad  ann  an  solus  o  neamh, 
ach  dh'  fhuathaich  iad  e  le  naimhdeas  cho 
guineach  's  gu'n  d'  fheuch  iad  ri  thoirt  air 
daoine  eile  a  chreidsinn  nach  ann  bho  Dhia 
a  thainig  e  ach  bho  Shatan. 

An  uair  a  dh'  fhasas  duine  cho  olc  e  fein 
's  gur  gasda  leis  a  bhi  cur  teagarah  ann  am 
maitheas  dhaoine  eile  tha  an  t-am  aig  an 
duine  sin  a  dhoighean  atharrachadh  agus 
iarraidh  air  Dia  a  chridhe  atharrachadh  air 
eagal  gu'n  tuit  e  anns  a'  pheacadh  shior- 
ruidh  so  nach  fhaigh  maitheanas. 

Is  e  an  Spiorad  Naomh  iighdar  gach  obair 
mhaith  agus  gach  maise  ann  am  beatha 
dhaoine,  agus  ma  ni  neach  air  bith  magadh 
air  toradh  na  diadhaidheachd,  no  ma  chuir- 
eas  e  'n  a  cheart  deoin  breugan  air  luchil- 
aideachaidh  los  ainm  na  diadhaidheachd  a 
mhaslachadh,  agus  cron  a  dheanamh  do 
aobhar  an  t-soisgeil  agus  na  firinn  tha  e  ann 
an  staid  chunnartaich.  Cha'n  e  mhain  gu 
bheil  e  a'  labhairt  an  aghaidh  a  cho-chreut- 
air  ach  tha  e  a'  labhairt  an  aghaidh  an  Spior- 
aid Naoimh,  an  solus  agus  an  fhianuis  a  thug 
Dia  dha  'n  a  choguis  fein.  Faodaidh  e  bhith 
gu'n  tig  a  leithid  sin  de  dhuine  thuige  fein 
uair-eigin  agus  gu'n  dean  e  aithreachas  ;  agus 
ma  ni,  bheir  Dia  maitheanas  dha  'na  throcair. 
Ach  tha  fiosrachadh  ar  beatha  a'  teagasg 
duinn  nach  'eil  an  seorsa  sin  a'  deanamh  aith- 
reachais  ach  gle  annamh,  agus  nach  'eil  iar- 
raidh aca  air  maitheanas,  no  suim  aca  do 
Dhia. 

Cha'n'eil  am  facal  so  a'  cumhannachadh 
trocair  no  gradh  Dhe  ach  tha  e  a'  toirt  rabh- 
aidh  soluimte  dhuinn  gu  bheil  cumhachd 
uamhasach  anns  a'  pheacadh  gus  daoine  a 
sgrios ;  gu'm  faod  am  peacadh  tighinn  gu 
leithid  de  ire  ann  am  beatha  duine  's  gu  bheil 
e  milis  d'a  bhlas  agus  ion-mhiannaichte  leis 
OS  cionn  gach  ni  eile  fo'n  ghrein.  An  uair 
a  thachras  sin,  ciod  is  urrainn  Dia  fein  a 
radh  ach  mar  thubhairt  e  ri  Ephraim,  Tha  e 
ceangailte  r'a  indhalan,  leigibh  leis. 


19 


UTIUCIJEAN  Mine  CIJEYNE. 

1.      (J u   (jillc  a    bltd  fo  vliiiruin   aiiai/ia. 
lanuaii    '27,   184-2. 
A  Ghille  ghradliaich, 

Bha  mi  ro  thoilichte  do  litir 
fhaotainn,  agus  tha  mi  nis  a'  suidhe  sios  gus 
fios-freagaiit  a  chur  thugad,  ged  nach  'eil 
moran  uine  agam.  Tha  mor  ghiadli  agam 
dhuit,  oil"  tha  t'  anam  priseil ;  agus  ma  thig 
thu  gu  losa  gus  a  bhi  air  do  ghlanadh  agu.s 
air  t'  fhireanachadh  leis,  bidii  t'  oran-mo- 
laidh  na's  binne  na  oran  nan  aingiean.  Bha 
mi  an  diugh  a  maeh  air  an  t-sneachd,  far  naclj 
robh  ceum  coisiche  ri  fhaicinn ;  bha  an 
sneachd  cho  glan  geal  's  gun  tug  e  gu  mo 
chuimhne  an  iirnuigh  so,  "  ionnail  mi  agus 
bithidh  mi  na's  gile  na'n  .sneachd."  0,  is 
milis  an  urnuigh  i;  cuir  thusa  suas  i  air  do 
shon  fein.  Each  gu  trie  gu  losa  a  bhasaic-h 
a  chum  sinne  a  ghlanadh  o  ar  peacaidhean, 
agus  abair  ris,  "  ionnail  mi."  Tha  gair- 
deachas  orm,  a  ghiullain  chaoimh,  gu  bheil 
thu  a'  creidsinn  gu  bheil  Dia  'g  ad  smachd- 
aehadli  a  chum  do  thoirt  'ga  ionnsuidh  fein. 
Cha'n'eil  teagamh  agam  nach  ann  mar  so  a 
tha.  Tha  Gaol  sgriobhta  air  a  chridhe, 
air  a  laimh,  agus  air  an  t-slait-smach- 
dachaidh.  Ach  feuch  s'u'n  tia;  thu  's 
a  ionnsuidh  :  na  dean  moille.  Tha  loch  teine 
'na  laidhe  fo  gach  anam  a  tha  beo  anns  a' 
pheacadh.  Cha'n'eil  sith,  tha  Dia  ag  radh, 
do'n  aingidh.  Na  'n  nochdadh  losa  a 
ghniiis  duit,  agus  a  thaobh  a  bha  air  a  lotadh 
gus  am  peacach  as  ciontaiche  a  thearnadh, 
l)hitheadh  tu  air  ball  air  do  tharruing  'g  a 
ionnsuidh  le  cordaibh  gaoil.  0,  bi  thusa  ag 
urnuigh  gu'n  duisgeadh  an  Spiorad  Naomh 
thu.  Tha  cuimhne  agad,  lain,  gu'n  do  ghuil 
thu  uair-eigin  roimh  so  air  son  t'  anama. 
agus  gu'n  d'  iarr  thu  losa.  An  d'  fhuair.thu 
e?  No  an  do  sheall  thu  air  t'  ais,  coltach  ri 
bean  Lot,  a'  cinntinn  'n  ad  charraig 
chruaidh,  fhuar,  mar  b.ha  thu  roimhel  0, 
diiisg,  agus  gairm  air  ainm  do  Dhe.  Faodaidh 
gu  bheil  t'  iiine  goirid  ;  aig  Dia  a  mhain  tha 
fhios.  Tha  a  bheatha  as  fhaide  goirid  gu 
leoi]'.  Agus  cha  bhi  cothrom  eile  agad  a  bhi 
air  V  iompachadh. 

Sgriobh  a  ris  'g  am  ionnsuidh.  Feuniaidh  mi 
sgur  an  drasd.  Iarr  air  do  mhathair 
sgriobhadh  thugam.  0,  is  e  mo  dhurachd 
agus  mo  ghuidhe  gu'n  coinnicheamaid  fadli- 
eoidh  aig  a'  bhord  a  tha  shuas  maille  id  losa, 
agus  gu'm  bithinn-sa  agus  thusa  an  sin  le 
cheile,  mar  pheacaieh  air  an  saoradh  tre 
gliras. 

Is  mi  do  charaid  dileas, 

R.   M.   I\Tac  Chevne. 


2.      Coiithdirlt  do  cliaraid, 

Dundeagli,  1842. 
A  Charaid  ionmhuinn, 

Tha  mi  a'  cur  na  litreach 
so  thugad  an  cabhaig,  ag  iirnuigh  gu'm  bi 
na  tha  mi  dol  a  radh  air  a  sheulachadh  air 
do  chridhe  le  cumhachd  an  Spioraid  Naoimh. 
Is  maith  an  ni  dhuit  solus  fhaotainn  air  olcas 
agus  cealgaii'eachd  do  chridhe  fein,  ma 
chuireas  so  thu  a  dh'  ionnsuidh  Chriosd.  Tha 
mi-chiiram  agus  socair  na  feola  'n  an  aobhar- 
eagail  as  mo  na  sealladh  fhaotainn  air  an 
luibhre  a  tha  ann  ad  chridhe.  Tha 
osnaidhean  agus  oran-buaidh  a'  chreidmhich 
gle  dhluth  air  a  cheile,  mar  a  chi  thu  o 
bhriathran  PJioil  ann  an  Rom.  vii,  24-25. 
Mhothaich  Daibhidh  an  ni  ceudna,  Sahn 
Irxiii.  Tha  diomhaireachd  ro-mhilis  ann  a 
bhi  ag  itheadh  nan  luibheanan  searbha  maille 
ris  an  Ilan  Chaisge.  Tha  taitneas  ann  a  bhi 
'g  ar  faicinn  fein  ro-ghraineil,  a  chum  's  gu'm 
faic  sinn  gur  e  losa  an  aon  t-slighe  a  dh'  ionn- 
suidh an  Athar. 

Bi  ag  Iirnuigh  a  bhi  cosmhail  ri  Caleb,  "aig 
an  robh  spiorad  eile  maille  ris  agus  a  lean  an 
Tighearna  gu  h-iomlan."  Lean  Criosd  rt  an 
la  uile.  Is  e  esan  a'  Charraig  anns  am  bi  agad 
a  ghnath  lanaohd  neo-chriochnaeh.  Thoir 
thu  fein  gu  h-iomlan  dha.  Cha'n'eil  tearuin- 
teachd  ann  an  neaeh  air  bith  eile,  ach  a  mliain 
ann  an  losa. 

Coimhead  thu  fein  o  pheacaidhean  dhaoine 
eile.  Bi  faicilleach  nach  tuit  thu  ann  am 
peacadh  follaiseach.  Cuimhnich  gur  e  ar 
sonas  a  bhi  fo  ghras,  agus  nach  'eil  fadheoidh 
ach  searbhadas  anns  gach  peacadh,  agus  gu'n 
lughdaich  gach  aon  diubh  ann  an  tomhas  air 
chor-eigin  do  chuid  de  ghloir  shiorruidh. 

Gu'n  robh  gras  maille  ri  oglach  an  Tigh- 
earna, fo  eisdeachd  a  bheil  thu.  Agus  mar 
an  ceudna  maille  riusan  uile  a  tha  a'  gradh- 
achadh  an  Tighearna  ann  an  treibhdhii-eas. 
Na  sgiiir  a  dh'  iu-nuigh  aii-  son  do  sgire  agus 
air  son  sgireachdan  eile,  gu'n  doirteadh  Dia 
a  mach  a  Spiorad  ori-a,  a  chum  peacaich 
chaillte  iompachadh  gu  gioir  ainme  fein. 

Gu'n  ouimhnicheadli  Dia  oirnn  uile. 

Is  mi   do  chai-aid  ddeas, 

Pv.  ^r.  Mac  Chevne. 


AN    GARRACHDAN. 

An  uair  a  dh'  fhas  na  h-itean  air  a'  ghar- 
i-achdan  thubhairt  an  fheannag  rithe  fein 
gu'm  bu  mhithieh  dhi  eolas  an  t-saoghail  a 
thoirt    d'a   mac   gaol  ach   agus   cunnartap   na. 


20 


beatha  «o  innseadh  dha.  "  An  cliiinu  thu 
mi,"  aib'  ise,  "  ma  chi  thu  fear  air  am  bi 
briogaia  ghoirid  a'  dol  seachud,  agus  slat  chad 
i'o  achlais,  thoir  do  chasan  as,  oir  is  docha 
gur  e  gunna  a  tha  fo  achlais.' 

"  Ma  chi  thu  fear  no  balach  a'  dol  seachad, 
agus  e  a"  togail  doirneagan  chlach,  tarr  as 
cho  luath  's  a  ni  do  sgiathan  dhuit,  oir  tha 
an  t-olc  'n  a  bheachd. " 

"  Ach  ma  chi  thu  duine  a'  dol  seachad, 
agus  gun  dad  'n  a  achlais,  agus  gun  e  a' 
cromadh  a  thogail  chlach,  na  caraich  as  an 
aite  aims  a  bheil  thu,  oir  cha'n'eil  cron  air 
bith  'n  a  bheachd. '•' 

"Ach  a  mhathair,"  ars'  an  garrachdan, 
"  nach  fhaod  clachan  a  bhi  aige  'n  a  ^jhoca  !'' 
"  Bi  falbh/'  ars'  an  fheannag ;  "  cha  ruig 
mise  a  leas  a  bhi  'g  ad  theagasg ;  cha'n'eil 
car  ann  am  foghlunn  nam  feannag  nach  'eil 
agad  cheana." 

B'  aithne  dhomh  bodach  coir  ann  an  Cille- 
sgumain  a  thug  a  mhac  gu  ceann  an  tighe  aon 
latha,  a  chum  eolas  na  slighe  a  thoirt  da  mar 
a  thug  an  fheannag  d'a  mac  fein.  "  Lean 
thusa  eiseimpleir  t'  athar  anns  a'  h-uile  ceum, 
ars'  esan,  agus  cha  teid  thu  fada  cearr." 
Thuirt  an  gille  gu'n  deanadh  e  sud. 
''  Faiceam  mata,"  ars'  am  bodach,  "  gu'n 
cum  thu  ri  d'  fhacal ;  ma  chumas  cha  bhi  aith- 
reachas  gu  brath  ort. " 

An  ceann  greis  thug  am  bodach  a  mach  a' 
phiob  agus  las  e  i.  Chuir  am  brogach  a 
lamh  'n  a  phoca,  is  bheirear  a  mach  a'  phiob 
fhein,  is  lasar  i. 

Cha  robh  fios  aig  athair  gus  a'  mhionaid 
ud  gu  robh  am  balach  air  toiseachadh  air 
smogadh,  ach  is  e  na  thubhairt  e,  "  An  ann 
mar  so  a  tha,  ehaidh  thu  orni,  a  gharraich. 


CARTHANNACHD. 

Air   teangaidheau    thig   failigeadh 
xVir   faidheadaireach  thig   criocli  ; 
Is  caithidh  gibht  is  eolas  as 
Mar  cheo  a  bhiodh  air  sliabh ; 
Ach  gaol  is  ni  neo-chriochnach  e, 
Bhios  siori'uidli  buan  gu  brath, 
Oir  's  ann  an  uchd  na  Trianaid 
0  chian  a  ghin  an  gradh. 

'S  e  'n  gaol  an  fhior  fhuil  uasal 
A  tha  gluasad  feadh  nam  ball, 
Toirt  beath  is  blaths  is  arach 
Do  gach  uile  ghras  a  th'  ann ; 
Tha  eadhon  am  fior  chreideamh 
A'  sior  oibreachadh  tre  ghaol, 
A'  sruthadh  nios  o'n  tobar, 
A  ehaidh  fhosgladh  'p  a  thaobh. 


Ged  bheiiinn  do  na  feumanaich 
Mo  dheiic  is  m'  uile  mhaoin, 
S  mo  chorp  ged  loisgte  'n  a  lobairt  e 
Air  son  na  firinn  naomh ; 
Bu  diomhanas  an  t-eud  sin  dhomh 
Cha  dean  e  feum  no  brigh, 
Is  mi  gun  ghaol  'n  am  anam, 
Cha'n'eil  gealladh   dhomh  air  sith. 

Cha  laidh  aois  no  tuar  a'  bhais 

Air  mais'  is  buaidh  a'  ghaoil ; 

'S  e  'n  gras  a  mhain  a  bhuanaicheas 

A  bhos  is  shuas  f  araon ; 

Cha  dean  e  uaill  na  raiteachas, 

'S  gu  brath  cha  seidear  suas ; 

An  gaol  tha  min  is  macanta 

Tha  thlachd  a  ghnath  an  truas 

Bi  thusa  a  nis  a'  rannsachadh, 

An  d'  rainig  ort-sa  maoin 

De'n  daimh  sin  tha  fior  chathrannach, 

Ro  thairiseach  is  caomh  ; 

Tha  'n  fhlrinn  naomh  a'  seulachadh 

(111  bheil  e  fein  'n  a  ghaol  ; 

'S  na  h-uile  ris  an  toisich  e 

Bidh  iad  fadheoidh  'n  an  aon. 

[Bha  na  rannan  so  air  an  deanarah  le 
Uilleam  Mac  Coinnich  a  bha  'n  a  inhaighstir- 
sgoile  dliitli  do  lonarnis,  duine  a  bha  fo  chliu 
mor  anns  an  taobh  tuath  air  son  a  dhiadh- 
aidheachd.  Chaochail  e  beagan  bhliadli- 
nachan  m'  an  do  dhealaich  na  h-eaglaisean 
ann  an  1843.] 

A    BHEALLTAINN. 

Gug-iig  ars'  a'  Chuthag 
Laflia  hiiidhe  Bealltaivn. 

Cha'n'eil  ionghnadh  ann  ged  dheanadh 
duine  agus  beathach  gaircleachas  ann  an 
teachd  an  t-samhraidh.  Tha  am  blaths  a' 
diisgadh  beatha  anns  a'  chriithachadh  uile,  ' 
agus  tha  fas  is  maise  ri  fhaicinn  air  gach 
taobh.  Os  ar  cionn  anns  na  speuran,  agus 
air  na  craobhan,  tha  coisir-chiuil  a'  seinn 
gun  sgur,  agus  tha  an  talamh  a  tha  fo  ar  casan 
mar  gu'm  biodh  brat  aillidh  air  a  dhealbh  an 
iomad  dath.  Ann  an  6g-mhios  an  t-samh- 
raidh tha  an  saoghal  cho  maiseach,  is  tha  a 
leithid  de  aillidheachd  agus  de  shaoibhreas 
air  an  sgaoileadh  mu  choinneamh  ar  sul  's 
gu'm  feumadh  ar  cridheachan  a  bhi  maol  is 
marbh  mur  biodh  moladh  agus  taingealachd 
air  an  dusgadh  annta  do'n  Ti  Uile-Chumh- 
achdach  a  tha  riaghladh  os  ar  cionn. 

Is  mor  an  Tighearva   agus  is   rnor  a  chunih- 

achd  : 
Tha  a  thuigse  gun  tomhas; 
Seinnihh  do  Jehohhah  le  huidheachas; 
Deanaibh  ceol  do  ar  Di-a-ne  air  a'  chldrsaich. 


Air.  6. 


1927. 


BOID     TACOIB. 

Agus  bhdidich  lacob  bold,  ag  rcidh,  Ma 
bhios  Dia  learn,  agus  ma  ghleidheas  e  mi 
air  an  t-slighe  sin  air  a'  hheil  mi  ag  imeachd, 
agus  ma  bheir  e  dJwinh  aran  r'a  itheadh, 
agus  eudach  r'a  chur  umain ;  agus  gu'n  tig 
mi  ns  an  slth  gu  Ugh  m'  athar ;  an  sin 
bithidh  an  Tighearna  agam  'na  Dhia. — 
Genesis,  xxviii,  20-21. 

Is  anil  air  na  briathran  so  a  tha  an  dara 
laoidli  air  a  steidlieachadh,  ged  a  thachair 
e  a  nis  gur  h-aithne  do  mhoran  dliaoine  an 
laoidh  do  nacli  aithne  boid  lacoib. 

Dhe  Bheteil  I  le  d'  laimh  tJioirbheartaich 

'S  tu   bhealhaich  t'  Israel  fein  : 

'S  a  thredraich  feadh  an  ttiruis  sgtth 

Ar  sinnseara  gu  leir. 

Bha  an  laoidh  air  a  deanamh  anns  a' 
Bheurla  leis  an  Urramaeli  Philip  Doddridge, 
D.D.,  diadhair  de  mhuinntir  Shasuinn  a 
sgriobh  moran  de  leabhraichean  maithe  'n 
a  latha.  Bha  cuid  de  na  leabhraichean  sin 
air  an  tionndadh  gu  Gaidhlig,  agus  bha  aon 
fhear  dhiubh  anabarrach  nieasail  aig  daoine 
diadhaidh  anns  a'  Ghaidhealtaehd  anns  an 
linn  mu  dheireadh,  Toiseach  agus  Fas 
Diadhaidheachd  anns  an  JLnam. 

Cha'n  urrainn  mi  a  radh  c6  a  thionndaidh 
an  laoidh  so  gu  Gaidhlig,  ach  co  dhiu  tha  i, 
an  Gaidhlig  eho  mhaith  ris  a'  Bheurla,  am 
measg  na  feadhnach  as  trice  a  chluinnear 
an  seirbhisean  na  h-eaglais,  an  sgoilean, 
agus  anns  gach  aite  eile  anns  am  bi  daoine 
a'  gairm  gu  follaiseach  air  ainm  an 
Tighearna. 

Tha  miltean  bliadhna  o  bha  lacob  beo 
ach  is  beag  mile  bliadhna  ann  an  eachdraidh 
mhic  an  duine,  no  a  thaobh  an  athar- 
rachaidh  a  tha  tighinn  air  a  smuaintean 
no  air  a  chridhe ;  ann  an  dealbh 
an  duine  so  tha  sinn  a'  faioinn  ar  dealbh  fein. 

Ann  an  seadh  bha  lacob  a'  teicheadh  air 
falbh  o  Dhia  an  oidhehe  ud  a  chaidil  e  a 
muigh  air  an  roan  aig  Luds,  ach  cha'n'eil 
e  furasda  do  dhuine  faotainn  air  falbh  o 
Dhia,  oir  ge  b'e  aite  an  t^id  e,  tha  aon 
chompanach  maille  ris  daonnan,  a  choguis 
fein,  agus  ciod  a  tha  anns  a'  choguis  ach 
Dia  an  taobh-a-stigh  dhinn?  Cha  robh 
coguis  lacoib  aig  fois ;  mheall  e  athair  is 
thug  e  an  car  as  a  bhrathair,  agus  a  nis 
bha  e  'n  a  fhogarrach  o  thigh  athar, 
a 'teicheadh  o  Dhia  agus  o  Esau  mar  a 
theich  lonah  air  bata  gu  Tarsis.  Cha  robh 
dull  aige  gu'n  coinnicheadh  Dia  ris  ann  an 
Jjuds,   ach  an  uair  a  chaidil  e  dliuisg  e  as 


a  chadal  agus  thubhairt  e,  "  Gu  cinnteaeh 
tha  an  Tighearna  's  an  aite  so,  agus  cha  robh 
fios  agam  air."  "  C'  kite  an  teid  mi  o 
d'  spiorad,  agus  c'aite  an  teich  mi  o  d' 
ghnuis?  Ma  th^id  mi  suas  do  n^amh  tha 
thu  an  sin ;  ma  ni  mi  mo  leaba  ann  an 
ifreann  feuch  tha  thu  an  sin.  Ma  ghabhas 
mi  sgiathan  na  maidne,  agus  gu'n  c6mh- 
nuieh  mi  ann  an  ionadaibh  iomallach  na 
fairge;  eadhon  an  sin  stiuraidh  do  Ikmh  mi, 
agus  cumaidh  do  dheas  lamh  mi." 

An  uair  a  bha  lacob  'n  a  bhalach  agus  a 
ehitheadh  e  athair  a'  cur  suas  altarach  gus 
tabhartas  a  thoirt  do  Dhia  bha  e  a'  tuigsinn 
gu  robh  Dia  anns  an  kite  sin;  bha  e  air  a 
theagasg  da  gu  robh  Dia  r'a  ihaireachduinn 
agus  r'a  chluinntinn  aig  aite  na  h-altarach, 
ach  cha  robh  fios  no  faireachduin  aige  gu 
robh  Dia  ann  an  Luds,  oir  cha  robh  altair 
no  lobairt  an  sin ;  cha  robh  dad  ann  ach 
clachan  is  creagan  is  fuachd  na  h-oidhche. 
Ach  ciamar  air  bitli  a  thachair  e  chuala 
lacob  an  oidhehe  ud  guth  Dhe ;  sheas  an 
Tighearna  os  a  chionn  agus  chual  e  E  ag 
r^dh  ris,  "  Feuch,  tha  mise  maille  riut  agus 
gleidhidh  mi  thu  anns  gach  aite  d'an  teid  thu." 

Agus  dh'  eirich  lacob  moch  's  a' 
mhaduinn   agus   bhoidich   e   boid,    ag  radh. 

Ma  bhios  Dia  leam,  agus  ma  ghleidheas 
e  mi  air  an  t-slighe  sin  air  a  bheil  mi  ag 
imeachd,  agus  ma  bheir  e  dhomh  aran  r'a 
itheadh,  agus  eudach  r'a  chur  umam,  agus 
gu'n  tig  mi  ris  an  slth  gu  tigh  m'  athar,  an 
sin  bithidh  an  Tighearna  agam  'na  Dhia." 

Tha  e  maith  do  dhuine  a  bhoidean  locadh 
do  Dhia,  ach  cha  'n  'eil  e  maith  dha  Dia  a 
chur  fo  chumhaehan  no  feuchainn  ri  bargan 
a  dheanamh  ris.  Sin  a  rinn  lacob ;  dh' 
fheueh  e  ri  bargan  a  dheanamh  ri  Dia,  mar 
gu'n  abradh  e,  ma  ni  Thusa  sid  agus  so 
dhomhsa,  aidichidh  mise  gur  Tu  mo  Dhia, 
ach  mur  dean, — 

Cha  bu  bh6id  mhaith  a'  bhoid  so  ann  an 
doigh  air  bith,  ach  tha  ar  n-Athair  nfeam- 
haidh  faighidinneach  r'a  chloinn,  gu 
sonruichte  ann  an  laithean  an  leanbachd 
spioradail,  agus  gabhaidh  e  ri  boidean  agus 
ri  tabhartasan  nach  'eil  idir  iomlan.  Ghabh 
e  ri  boid  agus  ri  urnuigh  lacoib,  agus  ged 
nach  robh  moran  spioradalachd  ann  an 
ereideamh  no  ann  an  crkbhadh  lacoib  an 
toiseach,  bha  e  ag  abuchadh  mar  a  bha  e 
a'  dol  air  aghaidh,  gus  mu  dheireadh  an 
robh  fiosrachadh  cho  cinnteaeh  agus  cho 
Ikidir  aige  air  maitheas  agus  trocair  an 
Tighearna  's  nach  iarradh  e  bargan  a 
dheanamh  ris  no  cumhachan  a  chur  air. 


22 


Ach  bha  sinne  fo  mh6ran  mhaighstirean- 
sgoile  bho  laithean  lacoib ;  fhuair  sinn 
fianuis  fhaidhean  agiis  abstol ;  agus  fianiiis 
as  kirde  air  fad,  fianuis  mbie  Dhe,  air  chor 
agus  gu  bbeil  sinn  gun  lethsgeul  ma  tha 
freumh  de  spiorad  lacoib  annainn ;  ma  tha 
sinn  ereidmheacli  anns  an  Ik  mhaith  ach 
as-creidmheach  anns  an  la  dhona.  Tha  c 
furasda  gu  leoir  do  dhaoine  Dia  a  mholadh 
cho  fad  agus  a  tha  cuisean  a'  dol  leo  mar 
am  miann ;  ni  na  peacaich  agus  na  cinnicli 
fein  sin ;  ach  is  rud  eile  e  Dia  a  mhohidli 
an  uair  a  tha  a  fhreasdal  searbh  agus  a  tha 
ar  duil  agus  ar  dochas  air  am  briseadh. 

Cha'n'eil  Dia  a'  ceadachadh  do  dhaoine 
am  beatlia  uile  a  chur  seachad  gun  chamadh 
air  chor-eigin  a  thighinn  'n  an  crannchur, 
ach  an  uair  a  thig  camadh  an  crannchur 
duine  cha  toir  an  seorsa  creidimh  a  bha 
aig  Jacob  moran  comhfhurtachd  dlia. 
Feumaidh  e  greim  a  dheanamh  air  acair 
d'a  anam  as  laidire  na  sin;  feumaidh  e  a 
bhi  cho  cinnteach  a  Dia  's  nach  euir  e 
teagamh  air  bith  'n  a  ghhocas  no  'n  a 
mliaitlieas  eadhon  an  uair  a  tha  freasdal 
Dhe  cho  searbh  agus  cho  iongantach  's  gu 
bheil  6  dol  os  cionn  a  thuigse  gu  buileach. 

An  uair  a  thoisicheas  duine  air  bruidhinn 
air  croideamh  no  air  earbsa  ann  an  Dia 
cha'n'eil  ach  aon  aite  aig  an  coir  dha  stad, 
crann-ceusaidh  ar  Slanuigheir,  far  a  bheil 
earbsa  ann  an  Dia  air  a  nochdadh  mar  nach 
fhacas  sin  an  aite  eile  riamli.  Cha  d'  fheuch 
Criosd  riamh  ri  bargan  a  dheanamh  ri  Dia 
no  cumhachan  a  chur  air.  Na  'n  robh  na 
smuaintean  a  bha  ann  an  inntinn  lacoib 
ann  an  cridhe  Chriosd  is  e  so  a'  bhoid  a  dh' 
iocadh  e  do  Dhia,  Ma  bhios  Tusa,  Athair, 
maille  rium,  agus  ma  shaoras  Tu  mi  bho 
amhghar  Ghetsemani  agus  Chalbhari ;  ma 
shaoras  Tu  mi  o  mhagadh  dhroch  dhaoine 
agus  o  lamhan  m'  eascairdean,  agus  ma 
leigeas  Tu  learn  mo  mhinistrealachd  a 
choimhlionadh  ann  an  comhfhurtachd  agus 
ann  an  sith,  an  sin  aidichidh  mi  gu  bheil 
gach  cumhachd  air  nfeamh  agus  air  thalamh 
agad.  Ach  cha  b'e  sin  na  smuaintean  a 
bha  'n  a  chridhe  agus  cha  b'  ann  mar  sin  a 
labhair  e.  O  m'  Athaiy,  ma's  comasach  e, 
rachadh  an  cupan  so  seachad  orm; 
gidheadh,  na  bitheadh  e  mar  is  aill  leamsa, 
ach  mar  is  aill  leatsa.  Sin  an  seorsa 
creidimh  agus  an  earbsa  ann  an  Dia  a 
chuidicheas  le  daoine  ann  an  laithean 
dorcha  an  uallach  a  ghiulan  gu  seimh  agus 
gu  h-iriosal.  Agus  far  a  bheil  an  creideamh 
so  cha'n  iarr  e  cumhachan  a  chur  air  Dia. 
As-creideamh  dall  theid  cli  's  gach  ceum, 
Gni6mh  Dhe  a  chaoidh  cha  sgrud ; 
'Se  Dia  's  fear-mlneachaidh  dha  fein, 
'S  ni  soilleir,  reidh,  gach  cuis, 


ANNS     A     CHATHAIE. 

Bu  mhaith  learn-  anns  an  aireamh  so 
beagan  seanchais  a  dheanamh  mu  leabh- 
raichean  an  t-soisgeil,  ciamar  a  rinneadh 
iad  agus  ciod  an  daimh  a  tha  aca  r'a  cheile. 
Ged  a  their  sinn  Facal  Dhe  ris  a'  Bhiobull 
tha  fhios  againn  gur  e  Facal  dhaoine  a  tha 
ann  cuideachd ;  tha  fhios  againn  c6  a 
sgri6bh  cuid  mhaith  de  na  leabhraichean 
a  tha  anns  a'  Bhiobull  agus  c'ar  son  a 
sgriobh  iad  iad. 

Tha  e  iomchuidh  do  'n  h-uile  duine 
uiread  eolais  's  a  ghabhas  faotainn  a  bhi  aige 
mu  leabhraichean  an  t-soisgeil,  oir  is  e  na 
leabhraichean  sin  na  fianuiseau  a  tha  againn 
mu  bheatha  agus  mu  theagasg  Chriosd. 
Cha'n'eil  fianuis  no  urrainn  eile  ann. 
Shaoileadh  tu  gu'n  abradh  an  luch-eachd- 
raidh  a  bha  sgrlobhadh  anns  an  Eoimh  agus 
anns  a'  Ghreig  anns  na  h-amannan  ud, 
shaoileadh  tu  gu'n  abradh  iad  rud-eigin  mu 
Chriosd  ma  chual  iad  iomradh  air  ainm  no 
air  a  ghniomharan.  The  e  duilich  a 
chreidsinn  nach  cual  iad  mu  na  nithean  a 
thachair  an  Galile  agus  an  Jerusalem,  ach 
ma  chuala  cha  do  ghabh  iad  suim  air  bith 
dhiubh  ;  cha  tug  iad  iomradh  orra  anns  na 
leabhraichean  a  chuir  iad  a  mach. 

Theagamh  gur  e  an  t-aobhar  nach  'eil 
luchd-eachdraidh  nan  amannan  ud  ag 
ainmeachadh  Chriosd,  gu  robh  iad  an  duil 
nach  b'  fliiach  daibh  tarruing  a  thoirt  air 
a  leitliid,  duine  aig  nach  robh  seasamh  ach 
am  measg  dhaoine  bochda  agus  a  bha  air 
fhaotainn  ciontach  le  breitheamhEomanach. 
Theireadh  iad  riu  fhein  gu  robh  an  rud  uile 
cho  suarrach  's  nach  b'  fhiaeh  daibh 
iomradh  a  dheanamh  air.  Anns  na  seann 
laithean  gu  sonruichte  bha  e  'n  a  fhasan 
aig  luchd-eachdraidh  gun  iomradh  a 
dheanamh  air  dad  eile  ach  cogadh,  is 
righrean,  is  commandairean  airm ;  cha  robh 
suim  air  bith  aca  do  bheatha  no  do 
smuaintean  nam  bochd.  Gheibh  thu  anns 
na  leabhraichean  aca  gu  leoir  de  sheanchas 
mu  righrean  agus  mu  thighearnan  ach  gie 
bheag  mu  na  h-iochdarain  no  mu'n  tuath ; 
gheibh  thu  gu  leoir  annta  mu  euchdan  nan 
uaislean  ach  cha  'n  fhaigh  thu  aon  fhacal 
annta  mu'n  doigh  anns  an  robh  daoine 
cumanta  agus  daoine  bochd  a'  tighinn  beo. 

Sin  an  t-aobhar,  tha  mi  an  duil,  nach 
'eil  iomradh  air  a  dheanamh  air  Criosd 
anns  na  laithean  ud  an  taobh-a-mach  de 
leabhraichean  an  t-soisgeil.  Mur  biodh  na 
tri  leabhraichean  so  againn,  soisgeul  Mhata, 
agus  soisgeul  Mliaro,  agus  soisgeul  Lucais, 
cha  bhiodh  ach  gie  bheag  eolais  againn  air 
beatha  no  teagasg  Chriosd.  Tha  e  fior  gun 
teagamh  gu  robh  a  bheatha  air  a  sgrlobhadh 


•23 


le  daoine  eile  a  thviilleadh  air  Mata  agus 
Marc  agus  Lucas ;  tha  e  fior  gu  bheil 
criomain  de  na  leabhraichean  sin  r'am 
faotainn  an  diugh  fhatliast,  ach  cha  'n  'eil 
gin  dhiubh  clio  c-reideasach  ris  na  leabh- 
raichean a  bha  air  an  sgrlobhadh  leis  an 
triuir  shoisgeulaichean. 

Bha  Criosd  os  cionn  deich  bliadhna 
fichead  an  uair  a  cheusadh  e:  choimhlion 
e  ministrealachd  fhollaiseach  nach 
b'  urrainn  a  bhi  na  bu  ghiorra  na  ceithir 
cheud  la  co  dhiu,  ach  clia'n'eil  cunntas 
againn  ach  air  fior  bheagan  de  na  laithean 
sin,  theagamh  niu  dha  fhiehead  dhiubh. 
Na  searmoin  a  liubhair  e,  an  seanchas  a 
rinn  e  r'a  dheisciobuil,  na  miorbliuilean  a 
rinn  e,  agus  na  naigheachdan  a  tha  air  an 
innseadh  uime,  tha  sin  uile  air  a  sgaoileadh 
thairis  air  d^  fhiehead  la,  air  chor  agus  nach 
'eil  againn  acli  sguab  aii  sid  agus  an  so  as 
an  achadh.  Ach  faodaidli  dk  fhiehead 
sguab  beachd  cothromach  a  tlioirt  do 
dhuine  air  an  t-seorsa  barra  a  bha  air  an 
achadh  uile.  Na'n  tolsicheadh  duine  air 
briathran  Chriosd  aithris  (na  tha  againn 
dhiubh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh)  ghab- 
hadh  e  dha,  mu  she  uairean  an  aithris.  air  fad. 

Ged  nach  biodli  eolas  idir  aig  daoine  air 
Greigis,  ma  tha  e61as  maith  aca  air 
a'  Bhiobull  Ghaidhlig  fliein,  tha  e  furasda 
gu  le6ir  dhaibh  a  thuigsinn  ciod  a  bhios  na 
h-ard  sgoilearan  a'  ciallachadh  an  uair  a 
bliios  iad  ag  innseadh  dhuinn  mu'n  dkimh 
a  tha  eadar  leabhraichean  an  t-soisgeil. 
Tha  an  daimh  cho  dluth  's  gu'm  faighear 
cuid  de  naigheachdan  aniis  an  trl,  facal 
air  an  fliacal. 

Tha  na  sgoilearan  uile  cinnteach  gur  e 
soisgeul  Mharc  an  soisgeul  as  sinne,  no  as 
traithe  a  bha  air  a  sgrlobhadh.  An  uair  a 
sgriobh  Mata  agus  Lucas  na  leabhraichean 
aca  fein  bha  leabhar  Mharc  aca  'n  an 
laimh  agus  thug  iad  as  na  bha  freagairt 
orra.  Theagamh  gu  robh  leabhar  no 
paipearan  eile  'n  an  laimh  a  thuilleadh  air 
leabhar  Mharc,  oir  tha  iad  trie  gu  leoir 
a'  cur  rud-eigin  ris  na  naigheachdan  a  tha 
air  an  innseadh  le  Mare,  ach  is  e  Marc  an 
urrainn  as  prionnspalaiche  a  bha  aca  le 
cheile.  Mar  so  an  uair  a  tha  rud  air  bith 
air  innseadh  leis  an  triuir,  mur  bheil  iad 
a'  cordadh  uile  gu  leir  r'a  cheile,  cha  teid 
duine  fada  cearr  ma  leanas  e  Marc,  an 
fhianuis  as  sinne. 

Tha  leabhraichean  Mhata  agus  Lucais  a 
dlik  fhad  ri  leabhar  Mharc;  c'aite  an 
d'  fhuair  iad  na  nithean  nach  tug  iad  a 
leabhar  Mharc.  Cha  b 'urrainn  do  Lucas 
eolas  pearsonta  a  bhi  aige  air  na  nithean 
a  tha  e  ag  innseadh,  oir  cha  robh  e  maille 
ri  Criosd  ann  an  Ikithean  fheola,   no   'n  a 


shuil-fhianuis  air  dad  de  na  tha  e  ag 
innseadh.  Fhuair  iad  e  ann  an  leabhar  air 
an  tug  na  h-ard  sgoilearan  an  t-ainm  Q, 
leabhar  nach  'eil  an  diugh  a  lathair  agus 
nach  fhacas  riamh,  comh-chruinneachadh 
a  bha  air  a  dheanamh  leis  na  ceud  dheis- 
ciobuil lois  briathran  agus  gniomharan  am 
Maighstir  a  ghleidheadh  air  chuimhne.  A 
thuilleadh  air  a'  chomh-chruinneachadh  so 
theagamh  gu  robh  cuid  mhaith  de  theagasg 
Chriosd  nach  robh  raimli  air  a  chur  sios 
air  paipear  air  a  ghleidheadh  air  chuimhne 
le  beul-aithris  na  h-eaglais  agus  gu'n 
d 'fhuair  cuid  de  na  naigheachdan  sin  ^ite 
ann  an  leabhraichean  an  t-soisgeil. 

An  toiseach  cha  robh  smuain  air  bith  an 
cridhe  nan  creidmheach  gu'm  bu  ch6ir  daibh 
beatha  is  oibrichean  Chriosd  a  sgrlobhadh ; 
cha  d'  fhairich  an  eaglais  gu  robh  feum 
aice  air  steidh  de'n  t-seorsa  sin.  Bha  na 
h-abstoil  beo,  agus  mdran  dhaoine  a  bha 
'n  an  companaich  aig  na  h-abstoil,  agus 
b'aithne  dhaibh  sin  innseadh  do  dhaoine 
eile  mu  Chriosd  na  b'  fhearr  na  leabhar  air 
bith.  Ach  an  uair  a  bha  fear  an  deidh  fir 
de  na  h-abstoil  agus  de  na  daoine  d'  am 
b'  aithne  Criosd  air  an  toirt  air  falbh 
chunnaic  an  eaglais  gu  robh  an  t-am  aice 
doigli  eile  a  ghabhail  air  gnlomharan  agus 
teagasg  Chriosd  a  chumail  air  chuimhne. 
A  thuilleadh  air  sin,  an  uair  a  thoisich 
soisgeulaichean  air  dol  a  mach  do  nach 
b'  aithne  Criosd  ann  an  laithean  fheola 
dh'  fheumadh  an  eaglais  rud-eigin  a  thoirt 
daibh  leis  am  b'  urrainn  daibh  innseadh  do 
dhaoine  mu  bheatha  Chriosd.  Sin  mar 
bha  leabhraichean  an  t-soisgeil  air  an  cur  a 
mach  an  toiseach ;  bha  feum  aig  an  eaglais 
orra  'n  a  h-obair.  Tha  an  eaglais  na's 
sinne  na  leabhraichean  an  Tiomnaidh 
Nuaidh.  Eugadh  an  eaglais  air  la  na 
caingis,  beagan  sheachduinnean  an  deidh  do 
Chriosd  a  bhi  air  a  cheusadh,  ach  cha  robh 
gin  de  leabhraichean  an  t-soisgeil  air  an 
sgrlobhadh  gu  tri  fichead  blaidhna  'na 
dheidh  sin. 

Uair-eigin  de'n  t-saoghal  bhiodh  naimh- 
dean  an  t-soisgeil  ag  radh  nach  bu  choir 
creideas  a  thoirt  do  leabhraichean  nach 
robh  air  an  sgrlobhadh  gu  coinn  tri  fichead 
bliadhna  an  deidh  do  na  nithean  a  tha  annta 
tachairt,  agus  bha  e  gie  dhuilich  roimhe  so 
an  argumaid  sin  a  fhreagairt.  Ach  gabhaidh 
i  freagairt  an  diugh,  agus  freagairt  gu  maith 
cuideachd,  a  bhuidheachas  sin  do  na  h-ard- 
sgoilearan  a  tha  a'  rannsachadh  leabh- 
raichean a'  Bhiobuill  cho  curamach.  So 
an  fhreagairt ;  ged  tha  leabhraichean  an 
t-soisgeil  eadar  tri  fichead  agus  coig  fichead 
bliadhna  na's  anmoiche  na'n  naigheachd  a 
tha  iad  ag  innseadh,  tha  na  leabhraichean 


24 


sin  air  an  steidheacliadh  air  leabliraichean 
eile  agus  fianuis  eile  a  tha  dol  air  an  ais 
gu  laithean  Chriosd. 

Anns  na  bliadbnachan  eadar  90  agus 
150  A.D.  bha  leabhraichean  eile  air  an  cur 
a  maeb,  a  gabhail  orra  cunntas  firinneach 
a  thoirt  air  beatha  agus  teagasg  Chriosd, 
aeh  uigh  ar  n-uigh  tJuiit  iad  as  an  t-sealladh 
agus  chuir  an  eaglais  a  seula  air  leabh- 
raichean Mhata  agus  Mharc  agus  Lucais 
agus  Eoin  mar  leabhraichean  anns  an  robh 
an  fhlrinn  mu  Chriosd,  agus  an  soisgeul 
cearfc.  Fhuair  each  hks  a  chionn  nach  robh 
beatha  annta,  ach  mhair  an  fheadhainn  s,o  a 
chioiin  gu  bheil  beatha  agus  fallaineachd  annta. 

Na'm  b'e  so  an  t-kite  air  a  shon  bu 
mhaith  learn  mo  chorrag  a  cliur  air  rud 
a  bhios  a'  cur  ionghnaidh  orm  gle 
bhitheanta,  gliocas  agus  tuigse  na  h-eaglais 
choitchinn  anns  na  seann  laithean.  Cha 
robh  feum  aice  air  eomhairle  bhuainne  no 
iasad  gliocais  iarraidh  oirnn.  Ach  ged  nach 
h-urrainn  mi  dol  a  steach  anns  a'  chuis  air 
an  duilleig  so,  no  na  nithean  sonraichte  a 
tha  'n  am  inntinn  ainmeachadh,  faodaidh 
mi  aon  rud  ainmeachadh,  agus  is  e  so  e,  an 
uair  a  thagh  an  t-seann  eaglais  soisgeul 
Mharc  a  measg  leabhraichean  eile  agus  a 
chuir  i  e  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  dhearbh 
i  gu  robh  i  fada  fada  na  bu  ghlice  na  a 
sgriobhaichean  fein,  agus  fada  fada  na  bu 
ghlice   na   na   saobh-chreidich. 

Bha  leabhraichean  an  t-soisgeil  air  an 
sgriobhadh  le  daoine,  ach  tha  iad  air  an 
deacadh  leis  an  Spiorad  Naomh,  anns  an 
t-seadh  anns  a  bheil  sgriobhaidhean  naomh 
eile  anns  a  bheil  flrinn  agus  beatha  agus 
eolais  slkinteil  air  an  deacadh  leis.  Mur 
biodh  iad  feumail  do  bheatha  agus  do  obair 
na  h-eaglais  cha  d'  fhuair  iad  riamh  an 
t-kite  a  tha  aca  an  diugh.  Cha  'n  e  fabhar 
no  tuiteamas  air  bith  a  choi.sinn  dhaibh  an 
aite ;  dh'  fhireanaich  iad  iad  f^in  ann  am 
breithneachadh  agus  ann  an  beatha  na 
h-eaglais.  Bha  iad  air  an  dearbhadh  an 
toiseach  agus  an  sin  bha  iad  air  an  crunadh. 

Cha  'n  e  am  maise  fein  mar  bhriathran 
dhaoine  a  tha  'g  an  cumail  beo  agus  'g  an 
deanamh  naomh,  ach  an  dealbh  maiseach  a 
chithear  annta,  dealbh  losa  Criosd. 
Cha'n'eil  annta-san  ach  a'  chiste ;  is  e  losa 
Criosd  an  t-ionmhas  luachmhor  a  tha  iad 
a'  irleidheadh  gu  saog-hal  nan  saoghal. 


EAS    NIAGAEA. 

Bha  na  rannan  so  mu  eas  Niagara  air  an 
sgriobhadh  leis  an  Urramach  D.  B.  Blkr, 
a  bha  'n  a  mhinistir  aig  Abhainn  Bharney, 
an  Canada.  Rugadh  e  an  Srath-churra,  an 
Comhall,  ann  an  1815;  mac  ciobair.  Bhe  e 
air  oileanachadh  leis  an  Eaglais  Shaoir,  ach 


an  uair  a  bha  e  gle  6g  chaidh  e  thairis  do 
Chanada.       Bha     e     'n     a     sgoileir     maith 
Gaidhlig,  agus  anabarrach  goalach  air  cainnt 
a  dhiithcha. 
A  Thi  mhoir  a  ehruthaich  na  Duilean, 

'S  a  shocnu'ch  an  cruinne 
Le   d'   ghairdean   cumbaphdach,    neartmhor 

Air  a  bhunait ; 
Is  giorm.laor  an  obair  a  rinn  Thu, 

Niagara  ainmeil. 
An  t-Eas  mor  a  rinn  Thu  chumadh 

'S  an  t-seann  aimsir. 
Sud  an  t-eas  iongantaeh,  loghmhor, 

Eas  mor  na  garraieh, 
Eas   ceothranach,    liathghlas  na   smuidrich, 

'S  na  buirich  ghabhaidh ; 
Eas  fuaimearra,  labhar  na  beucail 

A'  leum   'n  a  steallaibh 
Thar  bhile  nan  crengan  aosmhor 

'Na   chaoraibh   geala, 
Gu   srideagach,    sradagach,    sneachd-gheal, 

'S  a  dhreach  soilleir; 
A'  tearnadh  o  bhriighe  gu  iochdar 

Le  dian  bhoile ; 
Sruth  uaine  a'  briseadh  m'  a  mhullaeh, 

'Se  ruith  'n  a  dheannaibh 
Thar  bhearradh  nan  stacan  arda 

Le  gair  mhaireann ; 
Le  slachdraich  ghailbhich  a'  tuiteam 

An  slugan  domhain, 
Gu  linneachaibh  du-ghorm  doilleir 

A'  goil  mar  choire 
An  t-aigeal  'g  a  thionndadh  o'n  iochdar 

Le  fior  ainneart 
'S  an  glas  uisge  bruchdadh  an  uachdar 

Le  luathas  saighde ; 
An  linne  'ga  sloistreadh  's  'g  a  maistreadh 

Troimh  cheile, 
'S  i  fosgladh  a  broillich  ghlas-duibh 

Ris  na  speuraibh. 

Ach  trian  cha   'n  urrainn  mi  aithris 

De  gach  ionghnadh 
A  tha  ri  fhaicinn  air  an  Eas  ud 

An  t-Eas  cliuteach ; 
Bu   mhoralach   greadhnach   an   sealladh 

E  gun  teagamh ; 
Ma  tha  iongantais  air  an  t-saoghal 

Is  aon  diubh  esan. 
Miltean  tvinna  gach  mionaid 

A'  tuiteam  eomhla 
Thar  bhile  na  creige  do'n  linne 

'Na  aon  mhor-shruth ; 
Chluinneadh  tu  thorman  seachd  mile 

Uaith  air  astar, 
Mar  thairneanach   anns   na   speiu-aibh 

Ri  beucaich  neartmhor. 
'S  'n  uair  bhiodh  tu  'n  ad  sheasamh  laimli  vis 

B'  amhluidh  thartar 
Is  mile  earbad  air  cabhsair 

'Nan  deann  dol  seachad, 


Air.  7. 


1927. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Fhuair  Dehorah  hanaltrum  Behecah  has, 
agas  dW  adhlaiceadh  i  fo  Bhetel,  fo  dharaig  : 
agus  thugadh  Alon-hacut  mar  ainni  air. 
— Genesis  xxxv.  8. 

Ged  tha  mi  a'  gabhail  nam  briathran  so 
mar  cheann-teagaisg  feumaidh  tu  a  chuimh- 
neachadh,  a  leughadair,  nach  ann  idir  anns 
a'  chiibaid  a  tha  mi  an  drasd  ach  anns  a' 
chathair,  agus  nach  e  searmon  a  tha  mi  dol 
a  thoirt  duit  ach  seanchas.  Na'n  robh  mise 
'n  am  easbuig  anns  an  eagiais — agus  c6  aige 
a  tha  fhios  nach  bi,  oir  tachraidh  rudan  neo- 
nach  an  deidh  an  Aonaidh — tha  mi  an  diiil 
gu'n  deanainn  riaghailt  do  na  ministearan 
a  bhiodh  fodham,  nach  robh  maith  dhaibh 
ach  aon  searmon  a  liubhairt  air  la  na  Sabaid 
anns  a'  chiibaid,  agus  gu'm  feumadh  iad  fear 
eile  a  liubhairt  'n  an  suidhe  ann  an  cathair. 
Agus  innsidh  mi  dhuit  c'ar  son  a  dheanainn 
sin.  Dheanadh  a  chionn  gu  bheil  e  air 
uairean  car  duilich  smior  na  firinn  inn- 
seadh  do  dhaoine  anns  a'  chubaid  :  tha  e 
moran  na's  fhasa  an  fhirinn  innseadh  a 
cathair. 

Cha  'n  urrainn  mi  a  radh  c'ar  son  a  tha  so 
mar  so,  ach  co  dhiu  tha  e  ann.  Tha 
criomain  de'n  fhirinn  a  chordas  gu  gasda 
ri  daoine  bho  bheul  ministeir  anns  a' 
chubaid,  ach  tha  criomain  eile  dhi  a  chuir- 
eadh  an  cuthach  dearg  orra.  Sin  agad  an  t- 
aobhar  gu  bheil  uiread  de  na  searmoin  a 
chluinneas  tu  an  diugh  mar  lus  an  Domh- 
nuich,  gun  mhaith,  gun  chron.  Tha  iad  mar 
gu'm  biodh  greim  coin  a  chaill  na  fiachlan, 
no  ma  dh'  fhaodas  mi  an  samhladh  atharrach- 
adh,  tha  eagal  air  na  coin  roimh  na  caoraich ; 
eagal  air  a'  chubaid  gu'n  toir  i  oilbheum  do'n 
aite-suidhe. 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  mi  an  Cille- 
sgumain  thubhairt  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  rium  gu  robh  cho  mhaith  dha 
an  sgireachd  fhagail  na'n  labhradh  e  anns  a' 
chubadh  an  aghaidh  an  uisge-bheatha,  a 
chionn  gu  robh  dithis  de  na  foirfich  agus 
ceithir  no  coig  eile  anns  a'  choimhthional  a' 
faotainn  am  beo-shlaint  as.  Tha  e  'n  a 
sgoilear  maith  cuideachd,  ach  bithidh  Calum 
D^mhnullach  am  beadall  ag  innseadh  dhomh 
nach  cual  e  riamh  aon  fhacal  bhuaith  mu'n 
eolas  iir  a  thatar  a'  faotainn  an  diugh  mu 
fhas  a'  chreidimh  Chriosduidh  agus  mu  leabh- 
raichean  a'  Bhiobuill.  Cha'n'eil  so  a'  ciall- 
achadh  gu  bheil  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  ag  innseadh  bhreug  d'a 
rhoimhthional,  no  a'   folach  inntinn  agus     a 


bheachdan  orra  le  comhairle  shuidhichte,  ach 
tha  e  a'  ciallachadh  gu  bheil  e  'g  am  fagail 
ann  an  aineolas  lair  moran  de'n  t-solus  a  tha 
aig  daoine  eile  air  a'  Bhiobull  agus  air  an 
Taisbeanadh  a  thug  Dia  do'n  t-saoghal  a 
chionn  nach  toigh  leo  an  fhirinn  a  chluinntinn 
agus  nach  fhuiling  iad  i.  Ach  na'n  gabhadh 
ail  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  mo 
chomhairle-sa  ghlacadh  e  a  mhisneach  'na  dha 
laimh  agus  sheasadh  e  anns  an  t-saorsa  a  thug 
Dia  do  gach  duin©  aig  a  bheil  reuson  is  oog- 
uis.  Theagamh  gu'n  tugadh  e  oilbheum  do'n 
mharsanta  Ruadh  a  chluinntinn  nach  'eil  bun 
no  barr  ann  an  cuid  de  na  beachdan  a  tha 
aige  fhein,  ach  tha  mise  an  dull  nach  dean- 
adh  e  cron  air  bith  do'n  mharsanta  cuid  de 
na  tamhain-alluidh  a  tha  anns  an  inntinn 
aige  a  bhi  air  an  sguabadh  aisde,  agus  gu'n 
deanadh  e  maith  mor  do'n  chloinn  aige. 

Ach  tha  an  t-am  agam  tilleadh  air  m'  ais 
a  dh'  ionnsuidh  a'  chinn-teagaisg.  Ann  am 
fear  de  leabhraichean  an  Apocrypha  tha  e 
air  a  radh,  "  Molamaid  a  nis  daoine  fiach- 
ail,"  ach  tha  mise  an  drasd,  a  leughadair,  a' 
dol  a  mholadh  mhnathan  fiachail,  oir  cha'n 
'eil  facal  eile  as  urrainnear  a  radh  mu  bhan- 
altruman  ach  gur  mnathan  fiachail  iad.  Is 
iad  seorsa  mhnathan  is  fhearr  leam  de 
mhnathan  an  t-saoghail  uile,  agus  cha'n'eil 
uair  a  chi  mi  an  currachd  aca  agus  na  h- 
aprain  gheala  aca  nach  teoigh  mo  chridhe  riu. 
Cha'n'eil  ceaird  air  thalamh  as  urramaiche 
na  'n  obair  a  tha  aca  ;  tha  i  mar  gu'm  biodh 
i  a'  cur  uaisle  ur  ann  am  boirionnaich  a  tha 
uasal  cheana  gu  nadurra.  Chuirinn  air 
thoiseach  iad  air  ministearan  agus  air 
dotairean  agus  air  maighstirean-sgoile.  An 
uair  a  bhios  ministearan  agus  maighstirean- 
sgoile  cruinn  aig  comhdhailean  bidh  iad  gu 
bitheanta  a'  deasbud  mu'n  tuarasdal,  ach  c6 
riamh  a  chuala  banaltruman  a'  trod  mu'n 
tuarasdal  1  Cha'n'eil  seorsa  eile  air  thalamh 
an  diugh  as  dluithe  ri  inntinn  Chriosd  na 
banaltruman,  oir  tha  iad  a'  deanamh  do 
dhaoine  eile,  ann  an  irioslachd  agus  le  ciuine, 
an  t-seirbhis  a  rinn  e  fein  d'a  bhraithrean, 
"  chuir  e  dheth  fhalluinn,  agus  ghabh  e  lamh- 
anart,  agus  chrioslaich  e  e  fein  ;  an  sin  thaom 
e  uisge  anns  an  t-soitheach-ionnlaid,  agus 
tboisich  e  air  casan  nan  deisciobul  a  nigh- 
eadh,  agus  air  an  tiorraachadh  leis  an  lamh- 
anart  leis  an  robh  e  air  a  chrioslachadh." 

Tha  eadar-dhealac-hadh  eadar  banaltrum 
agus  banaltrum  a  thaobh  gloire ;  cha  'n 
ann  air  gl6ir  na  banaltruim  aig  a  bheil 
na  ceudan  air  a  curam  ann  an  tigh- 
eiridinn   mor    a    tha    mi    dol    a   bhruidhinn 


26 


air  an  duilleig  so,  ach  air  gloir  a 
peathar — is  ann  de'n  aon  teaghlach  iad — 
a  tha  cur  seachad  a  beatha  gu  h-iriosal  agus 
gu  dileas  ann  an  seirbhis  na  h-aon  bhana- 
mhaighstir,  a'  toiseachadh  le  bhi  ag  altrum 
na  cloinne  agus  a'  fuireach  anns  an  teagh- 
lach gus  an  tiodhlaic  a'  chlann  sin  i  leis  a' 
cheart  bhron  agus  urram  leis  an  tiodhlaic  iad 
am  mathair,  ann  an  aite  d'  an  toir  iad  an 
t-ainm  Alon-bacut,  ainm  a  tha  a'  ciallachadh, 
Darag  nan  deur. 

Bha  meas  air  Deborah  ann  an  tigh  Isaac, 
agus  cha  robh  ionghnadh  ann.  An  uair  a 
thug  e  dhachaidh  Rebecca  'n  a  mnaoi  oig 
thainig  a,'  bhanaltrum  so  dhachaidh  comhla 
rithe  agus  dTi'  fhan  i  comhla  rithe  gu  brath 
tuilleadh.  Bha  i  mar  gu'm  biodh  aon  de'n 
teaghlach ;  cha  b'e  seirbhiseach  a  theireadh 
iad  rithe  ach  bana-charaid,  agus  an  uair  a 
shiubhail  i  bha  lacob  agus  an  corr  de  'n  teagh- 
lach cho  duilich  's  ged  b'e  aon  d'  an  daoine 
fein  a  bha  iad  ag  adhlaiceadh. 

Ann  am  fear  de  na  leabhraichean  a  sgriobh 
A.  C.  Benson  tha  e  ag  radh  gur  e  a'  bhan- 
altrum a  bha  anns  an  teaghlach  aca  fein  a' 
bhana-charaid  a  bu  ghaolaiche  a  bha  aige 
riamh.  Bha  i  aca  tri  fichead  bliadhna  agus 
seachd  deug.  "  Ann  an  laithean  mo  leanab- 
achd  agus  an  uair  a  thainig  mi  gu  aois  bha 
a  gaol  agus  a  coibhneas-graidh  timchioll  orm 
gun  sgur  :  an  uair  a  loag  sinn  a  corp  anns  a' 
chill  an  la  roimhe  thainig  an  rud  a  thubhairt 
Wesley  m'a  charaid  Whitefield  gu  mo 
chuimhne.  Aig  aon  am  cha  robh  Wesley  agus 
Whitefield  a'  cordadh  mu  phuingean  creid- 
imh,  agus  dh'  fharraid  buamastair  air  chor- 
eigin  de  Wesley,  '  A  bheil  sibh  an  dial  gu'm 
faic  sinn  Maighstir  Whitefield  an  uair  a 
ruigeas  sinn  nfeamh?'  "  Tha  amharus  agam 
nach  fhaic,"  fhreagair  Wesley,  "  bithidh 
Whitefield  cho  dluth  do'n  righ-chathair  agus. 
sinne  cho  fada  bhuaipe  's  gur  gann  a  gheibh 
sinn  sealladh  air."  Sin  mar  tha  mise  an 

diugh  a'  faireachduinn  mu  chompanach  m' 
oige  agus  mu  bhana-caraid  m'  aoise;  bidh 
ise  gun  teagamh  dluth  air  an  righ  chathair." 

Tha  e  ceart  gu'm  biodh  meas  agus  urram 
air  a  thoirt  do  sheann  seirbhisich  dhileas, 
agus  am  bitheantas  tha  sin  air  a  thoirt  daibh. 
Am  measg  nan  droch  comharraidhean  eile  a 
chithear  an  diugh  tha  e  'n  a  dhroch  comh- 
arradh  nach  'eil  an  daimh  cheart  eadar 
maighstirean  agus  seirbhisich.  Anns  na 
seann  laithean  bhiodh  seirbhisich  a'  fantuinn 
anns  an  aon  aite  deich,  is  fichead,  is  da 
fhichead  bliadhna,  ach  an  diugh  tha  sin  air 
dol  a  fasan  agus  cha'n  fhan  moran  dhiubh 
ach  bliadhna  no  se  miosan. 

C5  aige  a  tha  a'  choire  sin?  Sin  agad,  a 
leughadair,   ceist  mhor    agus  ceist  dhuilich ; 


te  de  na  ceistean  nach  biodh  e  freagarrach 
dhomhsa  a  thogail  anns  a'  chubaid,  oir  na'n 
deanainn  sin  tha  fliios  again  g'u'n  abradh  an 
dara  leth  de'n  choimhthional  nach  robh  annam 
ach  Socialist  agus  an  leth  eile  nach  robh  ann- 
am ach  seann  Tory.  Ach  anns  a'  chathair 
faodaidh  mi  an  fhirinn  innseadh  gu  reidh 
ciallach  mar  is  fhearr  is  aithne  dhomh  i,  gun 
eagal  orm  ciod  a  their  bean  a'  Choirneil  no 
bean  a'  bhancair,  agus  na's  fhearr  air  fad, 
gun  eagal  orm  ciod  a  their  bean  a'  phortair, 
boirionnach  beag  laghach  a  tha  Ian  chinn- 
teach  gu  bheil  an  seorsa  d'  am  buin  i  fhein 
agus  na  bochdan  uile  a'  dol  do  neamh  agus 
an  Coirneal  agus  am  bancair  agus  na  h- 
uaislean  uile  a'  dol  do  ifrinn. 

An  uair  a  bhios  mi  a'  dol  mu'n  cuairt  anns 
an  sgireachd  bidh  mi  a'  cluinntinn  gearain 
aig  tuathanaich  agus  aig  bana-mhaighstirean 
air  na  seirbhisich  a  tha  iad  a'  faotainn  an 
diugh ;  gearan  air  meud  an  tuarasdail  agus 
cho  beag  's  a  tha  na  seirbhisich  a'  deanamh 
air  a  shon.  Bidh  mi  a'  cluinntinn  gearain 
aig  seirbhisich  is  luohd-oibre  cuideachd ; 
gearan  nach  'eil  tighean  ceart  aca,  agus  gu 
bheil  am  maighstirean  coma  co  dhiu  a  tha 
comhfhurtachd  aoa  no  nach  'eil.  Is  e  an 
fhirinn  gu  bheil  e  duilich  maighstirean  no 
seirbhisich  a  chur  air  an  aon  ghad,  no 
labhairt  umpa  mar  nach  robh  annta  ach  an 
aon  seorsa.  Tha  mile  seorsa  sheirbhiseach 
ann  agus  mile  seorsa  mhaighstirean  :  tha  iad 
maith  agus  dona  agus  meadhonach.  Am 
measg  gach  atharrachadh  a  tha  tighinn  air 
an  t-saoghal  tha  aon  ni  nach  d'  atharraich 
idir  bho  chionn  nan  ceudan  linn,  nadur  mhic 
an  duine.  Gheibh  am  maighstir  maith  no 
a'  bhana-mhaighstir  mhaith  seirbhiseach  maith 
is  dileas  an  diugh  fhathast ;  tha  Deborah  no 
dha  an  Cille-sgumain  a  tha  a  cheart  cho 
airidh  air  cliu  ris  an  te  a  dh'  adhlaiceadh  an 
Alon-bacut. 

Cha'n'eil  ach  aon  doigh  air  maighstirean 
agus  seirbhisich  a  chumail  anns  an  daimh 
cheart  r'a  cheile,  an  tuilleadh  a  bhi  annta 
le  cheile  de  inntinn  Chriosd ;  geill  a  thoirt 
do  lagh  Chriosd,  "  gach  ni  a  b'  aill  leibh 
daoine  a  dheanadh  dhuibh,  deanaibh-se  mar 
sin  dhaibhsan  mar  an  ceudna."  Bu  choir 
du  mhaighstirean  agus  do  bhana-mhaigh- 
stirean  a  chuimhneachadh  gu  bheil  iomadh 
cruas  agus  an-shocair  aig  seirbhisich  agus  aig 
searbhantan  ri  cur  suas  leis ;  ag  eirigh  trath 
air  maduinnean  fuar  is  dorcha  an  uair  a  tha 
iadsan  gu  comhfhurtachail  'n  an  cadal ;  a' 
cadal  iad  fein  air  uairean  an  ciiiltean  dorcha 
no  an  seomraichean  dorcha;  air  an  casan  o 
mhoch  gu  dubh  agus  e  mar  fhiachaibh  orra 
gach  glaodh  a  thig  orra  a  fhreagairt ;  gun 
saorsa  aca  ain  beatha    a    riaghladh    mar    bu 


27 


mhaith  leo  fhein,  no  an  cairdean  fhaicinn 
ach  aig  amannan  sonruichte.  Ma  tha  an 
daiiiili  cheart  eadar  iad  fhein  agus  am 
niaiglislirean  Iheaganili  nacli  cuir  na  nilhean 
sin  dragh  orra,  ach  mur  bheil  an  daimh 
cheart  eatorra,  faodaidh  cuing  na  seirbhis  a 
bhi  anabarrach  trom. 

Cha  do  ghleidh  bean  a'  bhancair  sear- 
bbanta  no  banaltrum  riamh  na  b'  fhaide  na 
leth  bhliadhna,  agus  cuid  dhiiibh  nach  bi  fan- 
tuinn  aice  ach  mlos.  Cha'n'eil  uair  a  chi  mi 
i  nach  bi  i  a'  cur  sios  air  luchd-oibre  an  la 
an  diugli  agus  air  caileagan  nan  coimhears- 
nach  air  son  an  leisge  agus  an  gaol  a  tha  aca 
air  diomhanas  is  riomhadh.  Ach  ged  nach  bu 
mhaith  leam-sa  sin  a  radh  rithe,  cha'n  e  gu'm 
bi  na  searbhantan  'g  a  fagail  cho  trie  a  tha 
cur  an  ionghnaidh  as  motha  orm,  ach  gu'n 
d'  fhan  am  bancair  cho  fada  comhla  rithe. 
Na'n  robh  mise  'n  aite  tha  mi  an  diiil  gur 
fhada  bho  na  chaidh  mi  do  Phatagonia. 

Faodaidh  droch  sheirbhiseach  air  uairean 
tachairt  air  maighstir  maith  agus  droch 
mhaighstir  tachairt  air  seirbhiseach  dileas, 
ach  cha  tachair  iad  orra  daonnan  agus  cha 
tachair  iad  orra  bitheanta,  oir  tha  an  lagh 
so  ag  oibreachadh  gu  soilleir  anns  an 
t-saoghal,  gu  bheil  na  nithean  agus  na  daoine 
a  tha  coltach  r'a  cheile  a'  tar  ruing  r'a  cheile, 
agus  na  nithean  agus  na  daoine  nach  'eil  col- 
tach r'a  cheile  a'  seachnadh  a  cheile.  Gheibh- 
ear  na  seirbhisich  mhaith  aig  na  daoine  maith 
agus  na  seirbhisich  dhona  aig  na  maigh- 
stirean  dona.  Sin  an  t-aobhar  nach  fhaigh- 
ear  an  seorsa  d'  an  robh  Deborah  aig  leith- 
idean  bean  a'  bhancair,  ach  gheibhear  iad 
aig  leithidean  Rebecca.  Agus  ged  a  bhios 
daoine  ag  radh  gu  bheil  an  saoghal  ag  atharr- 
achadh  agus  na  ginealan  ura  a'  fas  olc  agus 
fiar  tha  gu  leoir  de  mhic  agus  de  nigheanan 
Rebecca  beo  fhathast,  teaghlaichean  nach  cuii- 
an  t-searbhanta  no  an  gille  a  dh'  fhas  liath 
'n  an  seirbhis  do  thigh-nam-bochd  'n  an  seann 
aois,  ach  a  ghabhas  ciiram  dhiubh  gu  coibh- 
neil  gus  an  tig  am  bas  orra,  agus  an  sin  a 
dh'  adhlaiceas  iad  le  h-urram  ann  an  aite  d' 
an  ainm,  Alon-bacut. 


AIG  AN  ARD-SHEANADH. 

Bha  aire  nan  Gaidheal  air  an  t-Seanadh 
am  bliadhna  na  bu  mhotha  na  bliadHnachan 
eile  a  chionn  gur  e  Gaidheal  a  bha  anns  a' 
chathair,  an  t-Ollamh  Tormod  Mac  Illeath- 
ain.  Is  toigh  le  muinntir  na  Gaidhealtachd 
a  bhi  faicinn  urraim  'g  a  chur  air  an  luchd- 
duthcha,  is  bha  sinn  uile  toilichte  an  Dotair 
Tormod  fhaicinn  anns  an  aite  as  airde  anns 


an  eaglais.  Agus  faodar  a  radh  cuideachd 
gu'n  tainig  e  thuige,  ann  an  cainnt  nam 
seann  sgeulachdan,  "le  chruas,  le  luaths,  le 
laidireachd  fein."  Cha  'n'eil  duine  eile  ann 
an  eaglais  na  h-Alba  an  diugh  a  dh'  eirich 
cho  ard  ann  an  iiine  cho  goirid  ri  Tormod 
Mac  Illeathain,  ach  cha'n  e  fabhar  no 
freasdal  dhaoine  a  thog  suas  e  ach  a  ghibh 
tean  fein.     B'e  a  pheann  fein  a  chlaidheamh. 

Tha  uallach  na  h-ard  chathrach  trom  gu 
leoir  aig  am  air  bith  ach  bha  e  gu  sonruichte 
trom  do  Thormod  Mac  Illeathain  oir  chaoch- 
ail  a  bhean  beagan  laithean  m'  an  do  choin- 
nich  an  Seanadh.  Thachair  dha  mar  thachair 
do  Eseciel  :  chaill  Eseciel  miann  a  shul  le 
buille,  ach  ged  fhuair  a  bhean  bas  's  an 
fheasgar  b'  fheudar  dha  labhairt  ris  an 
t-sluagh  anns  a'  mhaduinn,  a'  coimhlionadh 
a  dhreuchd  am  foUais  ged  bha  e  a'  oaoidh 
agus  a'  gul  an  uaigneas. 

Anns  an  oraid  a  labhair  an  t-Ollamh  Mac 
Illeathain  ri  ministearan  agus  foirfich  na  h- 
eaglais  air  an  la  mu  dheireadh  a  bha  an  Sean- 
adh cruinn,  ajn  measg  nithean  eile  air  an  do 
labhair  e,  labhair  e  mu  bhriseadh  na  Sabaid 
agus  mu'n  challdachd  spioradail  a  tha  an 
rioghachd  so  a'  toirt  oirre  fein  leis  an  dian- 
iarrtus  a  tha  aig  daoine  air  a  bhi  'n  an  driop 
air  an  t-Sabaid  mar  tha  iad  air  laithean  eile 
na  seachduin.  Ma  thogas  duine  a  ghuth  an 
diugh  as  leth  na  Sabaid  a  chumail  naomh 
abrar  ris  ann  an  clar  an  aodainn  nach  'eil 
ann  ach  an  t-Iudhach,  agus  ma  bheir  e  rabh- 
adh  gu'n  tuit  breitheanas  Dhe  air  na  daoine 
a  tha  'g  a  mi-naomhachadh  abrar  ris  nach 
'eil  ann  ach  duine  cumhann.  Ach  tha  na 
laghannan  a  dh'  orduich  Dia  o  thus,  an  cuirp 
agus  an  inntinnean,  agus  an  anamma 
dhaoine,  ag  oibreachadh  gu  samhach  fad  na 
h-iiine,  agus  co  dhiu  a  tha  faireachduinn  aig 
a'  ghineil  iir  no  nach  'eil  gu  bheil  breitheanas 
Dhe  a'  tuiteam  orra,  tha  am  breitheanas  sin 
a'  tuiteam  orra  gu  cinnteach  agus  bithidh  a 
bhuil.  Tha  fois  na  Sabaid,  agus  samhchair 
na  Sabaid,  agus  aoradh  na  Sabaid,  cho  feum- 
ail  do  chorp  agus  do  inntinn  agus  do  anam 
m.hic  an  duine  's  a  tha  biadh  is  solus.  Na 
daoine  a  bhios  a  mi-naomachadh  na  Sabaid, 
cha'n'eil  iad  an  dara  cuid  glic  no  diadhaidh. 

Dh'  fhaodainn  iomadh  rud  a  thachair  aig 
an  t-Seanadh  innseadh  air  an  duilleig  so  ach 
ciod  am  feum  a  bhiodh  ann  1  Bha  na  nithean 
sin  uile  air  an  innseadh  anns  na  paipearaiT 
naigheachd,  la  an  deidh  la,  agus  cha  bhiodh 
annta  a  nis  ach  seann  sgeul. 

Tha  an  Seanadh  car  coltach  ri  Tigh  nan 
Cumantan  ;  cha'n  e  na  laithean  mora  no  na 
nithean  cudthromach  a  thogas  an  deasbud  as 
teotha  ach  cuisean  beaga.  An  uair  a  stadas 
na  g-unnacha   mora    agus    a    thoisicheas    nfi. 


28 


dagaichean  beaga  air  losgadh  air  feadh  an 
tighe,  sin  an  t-am  a-  b'  fhiach  do  Shasunnach 
an  Seanadh  fhaicinn.  Coma  learn  na  h-6raid- 
ean  bliadhnail  a  bhios  na  h-urracha  mora  a' 
liubhairt,  oraidean  a  bha  air  an  ullachadh 
roimh  laimh;  dheanainn  fliein  an  seorsa  sin. 
Is  e  na  h-oraidean  as  fhearr  a  chluinnear  anns 
an  t-Seanadh  oraidean  a  tha  air  an  deanamh 
le  daoine  nach  robh  a'  ciallachadh  bruidhinn 
idir,  ach  a  bha  air  am  bioradh  le  rud-eigin 
a  thubhairt  duine  eile  agus  a  leum  air  an 
cois  mu'n  d'  fhuair  an  ooTruich  nine  air 
fuarachadh.  Bidh  ministearan  a'  cur  sios 
air  an  duine  nadurra,  ach  an  uair  a  dh'  eis- 
deas  mise  ris  na  h-urracha  glic  agus  eagnaidh 
fad  da  no  tri  dh'  uairean  gus  nach  bi  am 
briathran  ach  mar  gu'm  biodh  bum-bum- 
bum  'n  am  chluasan  is  gasda  learn  an  duine 
nadurra  fhaicinn  a'  leum  'n  a  sheasamh,  agus 
a'  glaodhach  gu  sprachdail,  A  Mhaighstir 
Moderator.  Sin  air  neo  na  h-6raidean  eile 
a  tha  air  an  liubhairt  le  daoine  ciuin  agus 
coguiseach  a  tha  a'  faireachduin  facal  air 
chor-eigin  bho  Dhia  mar  theme  'n  an  cnam- 
han  air  chor  agus  nach  h-urrainn  daibh  fuir- 
each  'n  an  tosd.  Is  fhiach  iad  sin  eisdeachd 
riu  daonnan.  Ach  is  e  na  h-6raidean  as ' 
miosa  air  fad  oraidean  dhaoine  feineil  aig 
nach  'eil  dad  r'a  radh  ach  a  bhios  air  son 
bruidhinn  a  chionn  gur  toigh  leo  an  corra- 
gan  a  bhi  anns  gach  ciiis,  agus  gur  toigh  leo 
cuideachd  gu'm  faic  an  saoghal  agus  bean  a' 
bhancair  gu'n  do  labhair  iad  anns  an  Ard- 
Sheanadh. 

Tha  aon  duine  a  tha  daonnan  a'  seasamh 
a  mach  os  cionn  dhaoine  eile  anns  an  t-Sean- 
adh,  An  t-OUamh  W.  P.  Paterson.  Cha  'n 
e  gu  bheil  e  na's  glice  na  daoine  eile,  no  gu 
bheil  e  na's  fhearr  air  bruidhinn  na  daoine 
eile,  ach  tha  ni-eigin  'na  shuil  agus  'n  a 
chainnt  agus  'na  inntinn  nach  fhaighear  o  aite 
air  bith  ach  o  shuas.  Ciod  air  bith  an  cuspair 
air  an  labhair  e  tha  rud-eigin  ur  aige  ri  radh, 
agus  eadhon  air  na  seann  nithean  cuiridh  e 
solus  ur.  Tha  an  inntinn  aige  cho  Ian  de 
theine-sionnchain  's  gu'm  bi  mise  a'  saoilsinn 
gu  bheil  mi  'g  a  fhaicinn  m'a  cheann  an  uair 
a  bhios  e  a'  spionadh  agus  a'  suathadh  fhuilt 
agus  e  air  a  chasan  a'  bruidhinn. 

Labhair  e  iomadh  uair  anns  an  t-Seanadh 
am  bliadhna,  ach  b'e  an  oraid  a  bu  driiidh- 
tiche  a  liubhair  e  an  oraid  a  rinn  e  mu 
Aonadh  nan  eaglaisean.  An  uair  a  thig  an 
t-Aonadh  agus  thig  e  gun  bhi  fada,  faod- 
aidh  muinntir  na  h-eaglais  is  againne  a  thaing 
a  thoirt  do'n  Ollamh  W.  P.  Paterson  agus 
do'n  Mhorair  Sands  ann  an  tomhas  mor. 
Bho  chionn  bliadhna  no  dha  tha  uallach  a' 
ghnothuich  air  tuiteam  air  guaillean  an 
Ollaimh  Iain  White,  ach  b'e  an  dithis  ud  a 


bu  lorg  agus  a  bu  bhata  do  Chomunn  an  Aon- 
aidh  anns  na  laithean  anns  an  robh  iad  ag 
imeachd  gu  failidh  ann  an  gleann  dorcha. 

Anns  an  t-Seanadh  am  bliadhna  bha  moran 
bruidhne  mu  airgiod  :  cha'n'eil  eaglais  na 
h-Alba  cho  fialaidh  ris  an  eaglais  U.F.  Tha 
na  Baistich  agus  na  Methodists,  eaglaisean 
dhaoine  nach  'eil  beartach,  a  toirt  eadar 
ochd  agus  deich  tasdain  an  oeann  's  a'  bliadh- 
na do  obair  an  t-soisgeil  ann  an  diithchan- 
nan  cein,  ach  cha'n'eil  sinne  a'  toirt  da  thas- 
dan  fhein.  Rud  narach ;  cha  'n  e  cion  comais 
as  aobhar  ach  cion  toile ;  cion  eud  diadhaidh ; 
cion  iiigh  ann  an  obair  an  Tighearna. 


MAC  IS  ATHAIR. 

Ged  shuidh  mi  tri  bliadhna  aig  casan  an 
fhir  nach  maireann,  an  t-Ollamh  mor  mor, 
Raibeart  Flint,  cha  do  leugh  mi  riamh  an 
leabhar  anns  a  bheil  eachdraidh  a  bheatha 
air  innseadh  gus  an  la  roimhe  agus  thachair 
rud  rium  anns  an  leabhar  sin  a  bu  mhaith 
learn  innseadh  do  luchd-leughaidh  na  duilleig 
so. 

B'  ann  do'n  eaglais  Shaoir  a  bhuineadh 
athair  Flint,  ach  ged  bha  e  a'  fuireach  comhla 
r'a  mhac  an  uair  a  bha  a  mhac  'n  a  mhinistear 
6g  ann  an  Obareadhain  cha  b'  ann  do  eaglais 
a  mhic  a  bhiodh  e  a'  dol  air  an  t-Sabaid  ach 
do'n  eaglais  Shaoir.  A  thuilleadh  air  sin 
b'e  an  seann  duine  a  bhiodh  a'  dol  air  cheann 
an  aoraidh,  aig  aoradh  an  teaghlaich,  cho 
fad  's  a  bha  e  beo.  Bha  e  'na  dhuine  diadh- 
aidh agus  bha  bann  a'  ghraidh  anabarrach 
la  idir  eadar  e  fhein  agus  a  mhac. 

Saoilidh  mi  nach  b'urrainn  so  tachairt  ann 
an  aite  air  bith  fo'n  ghrein  ach  an  Albainn; 
am  ministear  a'  toirt  nam  parantan  a  dh' 
fhuireach  comhla  ris  anns  a'  Mhanse;  an  t- 
athair  a'  leantuinn  na  h-eaglais  aige  fhein 
ach  gun  sin  a'  deanamh  dealachaidh  air  bith 
eatorra  no  ag  aobharachadh  amharuis  no 
aimhreite;  am  mac  a  bha  'na  Phrofessor  ann 
an  Cathair  na  Feallsanaichd  agus  ann  an 
cathair  na  Diadhachd,  duine  a  bha  ainmeil 
air  son  a  sgoilearachd  agus  eolais,  cha'n  e 
mhain  am  Breatunn  ach  air  feadh  na  Roinn- 
Eorpa  uile,  a'  suidhe  gu  h-iriosal  aig  a'  bhord 
agus  a'  leigeil  le  sheann  athair,  fear-oibre  aig 
nach  robh  moiran  sgoile,  dol  air  cheann  an 
aoraidh, — sin  rud  a  bu  choir  iomradh  a 
dheanamh  air.  An  uair  a  bhios  mo  bhraith- 
rean  anns  a'  mhinistrealachd  air  son  sear- 
mon  a  thoirt  do'n  chloinn  gabhadh  iad  an 
ceann-t©agaisg,  Thoir  ilrram  do  d' athair  agus 
do  d'  mhdthair,  agus  innseadh  iad  ap  naigh- 
eachd  so, 


Air.  8. 


1927. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE. 

An  uair  a  dh'  eirich  mi  an  diugh  bha  e  'n 
am  bheachd  searmon  a  dheanamh  air  a' 
cheann-teagaisg  so,  Feuch,  an  ni  so  a  mhdin 
fhuair  mi,  gu'n  do  rinn  Dia  an  duine 
direach;  ach  dh'  iarr  iad  fein  iomadh  iiin- 
leachd  a  mach.  Bha  mi  an  duil  gu'm  biodh 
e  maith  dhomh  fhein  agus  do'n  choimhthional 
ar  n-aire  a  shocrvichadh  air  innleachdan  mhic 
an  duine  anns  na  laithean  so,  agus  gu  son- 
ruichte,  air  na  droch  innleachdan  leis  a  bheil 
e  a'  deanamh  cam  an  ni  a  rinn  Dia  direach. 

Ach  bha  an  latha  cho  maith  's  gu  robh  mi 
air  mo  bhuaireadh  mo  chathair  agus  mo 
chlar-sgriobhaidh  fhagail  agus  cuairt  a 
ghabhail  anns  a'  Choille  Bheithe,  gus  aileadh 
nan  craobh  fhaotainn  'n  am.  phoraibh  agus  mo 
shiiilean  agus  mo  chridhe  a  lionadh  le  maise 
a'  chruthachaidh.  Shuidh  mi  leth-uair  air 
an  stoo  craoibhe  air  an  abhaist  dhomh  suidhe 
anns  an  teampuU  aillidh  ud,  a'  deoghal  a 
steach  le  buadhan  mo  chuirp  feartan  ciuin 
agus  tlusmhor  na  maidne  shamhraidh.  Cha 
robh  mi  a'  smuaineachadh  air  dad  sonruichte, 
agus  na'n  robh  a'  cheist  air  a  chur  orm,  their- 
inn  gu  robh  m'  inntinn  'n  a  tamh  gu  buil- 
each.  Ach  feumaidh  e  bhith  gu  robh  gluasad 
air  chor-eigin  innte,  mar  gu'm  biodh  mart, 
'n  a  laighe  ach  a  bhios  a'  onamh  a  cir,  oir 
uigh  ar  n-viigh  thoisich  an  oeann-teagaisg  ud 
air  falbh  bhuam  agus  fear  ur  air  tighinn  'n  a 
aite.  Agus  a  nis  tha  agam  ri  toiseachadh  as 
ur,  agus  theagamh  nach  dean  mi  searmon  gu 
brath  air  droch  innleachdan  mhic  an  duine. 

Ciod  a  thug  orm  mo  bheachd  atharrachadh? 
Cha  b'e  mo  thoil  no  mo  reuson  a  rinn  e  ach 
a'  bhuaidh  chumhachdach  is  dhiomhair  a  tha 
sruthadh  o  fheartan  Naduir.  Thainig  a' 
ghrian  a  mach,  a'  dortadh  a  soluis  agus  a 
hlaths  air  machair  is  monadh,  agus  ann  am 
mionaid  bha  mi  ann  an  saoghal  ur. 

Am  bliadhna  bha  geamhradh  fada  againn, 
agus  earrach  fada,  agus  sid  fhuar  is  fhliuch 
gu  meadhon  an  t-samhraidh,  ach  ged  nach 
fhaic  thu,  a  leughadair,  anns  na  paipearan- 
naigheachd  an  rud  so  a  tha  mise  a'  dol  a  radh 
riut,  tha  mi  cinnteach  gu  robh  na  bu  lugha 
de  dhochas  agus  de  aoibhneas  an  t-soisgeil 
anns  na  searmoin  a  bha  air  an  liubhairt  am 
Breatunn  am  bliadhna  na  bha  annta  bho 
chionn  iomadh  bliadhna.  Tha  buaidh  aig 
a'  ghrein  air  beachdan  dhaoine  nach  'eil  iad 
fhein  a'  saoilsinn  :  bheir  aon  bhoillsgeadh 
blath  de  'n  ghrein  dearbhachd  do  dhuine  a 
thaobh  nithean  sonruichte  nach  toir  Iain  Cal- 


vin dha.  Bidh  Caiura  Domhnullach,  am 
beadall  an  Cille-sgumain,  ag  innseadh  dhomh 
gur  ann  daonnan  ann  an  November  agus  ann 
an  December  a  bhiodh  na  seann  mhinistearan 
a"  toirt  dhaibh  searmoin  gharbh  mu  thruaill- 
idheachd  mhic  an  duine  agus  mu  aingidh- 
eachd  an  t-saoghail,  ach  aon  uair  's  gu'n 
tigeadh  a'  Bhealtainn  bhiodh  iad  a'  fas  na  bu 
shoisgeulaiche  agus  a'  moladh  gradh  Dhe  do'n 
t-saoghal.  Bha  duil  aig  Calum  gu  robh 
riaghailt  no  cleachdadh  air  ohor-eigin  anns 
an  eaglais  a  bha  toirt  orra  sin  a  dheanamh, 
ach  ma  bha  a  leithid  sin  de  riaghailt  anns  an 
eaglais  abstolach  cha  chuala  mise  riamh  iom- 
radh  air.  Tha  mi  an  duil  nach  'eil  ann  ach 
obair  na  greine,  a'  ghrian  a'  fogradh  duibhre 
agus  doil,ghios  bho  inntinnean  nan  aith- 
richean  ann  an  Cille-sgumain  mar  a  dh'  fhog- 
air  i  an  oeann-teagaisg  ud  o  m'  inntinn-sa 
anns  a'  Choille  Bheithe  an  diiigh. 

Na  'n  robh  mi  'n  am  bhard  cha'n'eil  rud 
air  an  t-saoghal  a  b'  fhearr  learn  a  dheanamli 
na  or  an  no  laoidh  do'n  ghi'ein ;  oran  no 
laoidh  a  bhiodh  daoine  a'  seinn  gu 
beag  riu  fein  le  toileachas  is  gaird- 
■eachas  a  h-uile  uair  a  chitheadh  iad 
i.  Bho  chionn  tri  seachduinnean  thachair 
dhomh  a  bhi  ann  an  Leodhas  :  air  mo  thighinn 
air  m'  ais  chaidh  sinn  air  bord  air  a'  bhata 
aig  aon  uair  deug  a  dh'  oidhche  is  chaidh  an 
fheadhainii  a  bha  comhla  rium  a  laighe*  TOh' 
fhaodainn-sa  dol  a  laighe  cuideachd,  oir  bha 
mo  leaba  air  a  gabhail  dhomh,  ach  b'  fhearr»l/L  rfMjL, 
leam  fantuini^leam  fhein  gu  h-ard  gus  mo  -gki/!. 
chuimhne  urachadh  air  nithean  a  dh'  fhairich  ^***»^ 
mi  a'm'  oigeji^s  a'  ghrian  fhaicinn  aOn  uair 
eile  ag  eirigh  air  a'  mhuir.  Ciod  aSMsith 
an  t-aite  anns  am  faicoar  e  tha  briseadh  an  ^ 

latha    'n    a     ionghnadh    soluimte    agus    'na  | 

shealladh  maiseach  is  miorbhuileach,  ach  ged  'I 

tha  mise  eolach  gu  leoir  air  an  t-sealladh  sin 
am  measg  nam  beann  agus  nan  coiltean,  tha 
greis  mhaith  o  nach  fhaca  mi  an  la  a'  briseadh 
air  an  fhairge.      Mar  sin   dh'  fhan  mi  leam  s 

fein  gu  h-ard  fad  na  h-oidhche  agus  an  fhair-  | 

eachduinn  'n  am  chridhe  a  bhios  ann  an 
cridhe  duine  a  tha  feitheamh  air  an  te  air  a 
bheil  gaol  aige. 

Tha  locshlaint  do'n  chridhe  ann  am  bris- 
eadh an  latha  nach  'eil  ann  an  cungaidh  eile 
fo'n  ghrein  ;  dh'  fheumadh  duine  a  bhi  dall 
agus  bodhar  agus  maol  mur  cluinneadh  agus 
mur  faiceadh  e  iongantasan  anns  an  iarmailt, 
agus  e  mach  air  an  raon  eadar  leth-uair  an 
d^idh  da  uair  agus  eirigh  na  greine.  Ach 
gu  sonruichte  chi  iadsan  a  theid  sios   do'n  j 


30 


flmirge   gniomharan    an  Tighearna,    agus   a 
bheartan  iongantach  air  an  doimhne. 

Bha  an  la  a'  glasadh  agus  sinn  a'  tlol 
seachad  air  na  h-Eileanan  Sianta,  avh  bha 
sinn  a'  dluthachadh  air  an  tigh-soluis  a  tha 
air  ceann  Rona  m'an  do  thoisich  a'  ghrian 
air  beanntan  Ghearrloch  agus  Thoireartan  a 
bhreacadh  le  a  gathan  6r-bhuidh.  Bha  a' 
nihaduinn  ciuin  agus  an  solus  glan  is  soilleir. 
Chitheadh  tu  na  ficheadan  mile  bhuait  air 
gach  taobh,  agus  cha  robh  taobh  an  tionndadh 
tu  nach  robh  an  sealladh  maiseach,  fonn  is 
cuan  a'  deanamh  gairdeachais  ann  an  solus 
na  greine  a  bha  'g  am  pogadh  agus  'g  am 
beannachadh.  Cha  robh  ach  aon  bheinn  anns 
an  t-sealladh  nach  do  fhreagair  gu  toileach 
do  fhailte  na  maidne  a  bha  a'  ghrian  a'  cur 
orra ;  b'e  sin  Cuilinn  anns  an  eilein  Sgithean- 
ach.  An  aite  a  comhdach-cinn  a  chur  dhi  gu 
modhail  agus  gu  suilbhearra  mar  a  rinn 
beanntan  Chataibh  agus  Rois  chum  Cuilinn 
a  currachd  oirre  fad  na  h-uine. 

Bu  diomhain  dhomh  feuchainn  ri  cainnt  a 
chur  air  maise  na  maidne  ud  air  an  linne 
Sgitheanach,  no  air  na  faireachduinnean  a 
bha  ann  am  chridhe,  oir  tha  fhios  agam  nach 
rachadh  agam  air  a  dheanamh  ged  dh' 
fheuchainn  ris.  Ach  air  a  shon  sin  tha  fhios 
agam  gu  robh  barrachd  buannachd  dhomh 
anns  a'  mhaduinn  ud.  'n  am  inntinn  agus 
'n  am  chridhe  agus  'n  am  anam,  na  bha 
dhomh  anns  an  da  bhlia-dlina  a  chuir  mi 
seachad  ag  ionnsachadh  Eabhra,  cainnt  nam 
Pharasach.  Cha'n'eil  agam-sa  an  diugh  de 
Eabhra  na  riaraicheadh  eadhon  Cleir  Mhuile, 
ach  tha  fhios  agam  gu'm  fan  faireachduinn- 
ean na  maidne  ud  'nam  chridhe  agus  'n  am 
fhiosrachadh  gu  brath  tuilleadh,  agus  gu'n 
toir  iad  solas  agus  urachadh  agus  locshlaint 
do  m'  anam  aig  amannan  anns  am  bi  feum 
agam  air  locshlaint. 

Am  measg  gach  rud  eile  a  thainig  gu  m' 
inntinn  a'  mhaduinn  ud  thainig  Laoidh 
Oisein  do'n  ghrein,  ach  ged  dh'  fheuch  mi  ris 
na  facail  a  chuimhneachadh  cha  b'  urrainn 
domh  ach  criomain  bheaga  dhi  fhaotainn. 

O  Thusa  fein  a  shivibhlas  shuas, 

Tha  cruinn  mar  Ian  sgiath  chruaidh  nan 

triath, 
Cia  as  a  ta  do  dhearrs'  gun  ghruaim, 
Do  sholus  a  ta  buan,  a  Ghrian  1 
Thig  thusa  mach  'n  ad  aille  threin 
Is  foluichidh  na  reul  an  triall ; 
Theid  ghealach  sios  gun  tuar  o'n  speur. 
'Ga  cleatha  fein  fo  stuaidh  's  an  iar. 

Ach  ged  nach  robh  Laoidh  Oisein  agam  air 
mo  theangaidh  bha  an  naoieamh  salm  deug 
agam  air  mo  theangaidh,  laoidh  as  fhearr 
na  te  Oisein, 


Gloir  Dhe  Ian  fhoillsichidh  na  nfeamh, 

'S  na  speura  gniomh  a  lamh, 

Tha  la  a'  deanamh  sgeil  do  la 

Is  oidhche  dh'  oidhch'  gun  tamh. 

Chaidh  'm  fuaim  air  feadh  gach  tire  mach, 
Am  focal  chaidh  an  cein 
Gu  crich  na  cruinne,  chuir  e  annt' 
Buan-phailliun  ard  do'n  ghrein. 

Neach  tha  mar  nuadh  fhear-posda  'teachd 
O  sheomar  fein   a  mach, 
Ta  ait  mar  ghaisgeach  treun  a'  ruith 
A  re  is  gu  toga  rr  ach. 

A'   dol  a  mach  o  chrich  nan  speur, 
Mu'n  cuairt  'g  an  crich  a  ghnath  : 
'S  cha  'n  fholuichear  o  theas  na  grein 
Aon  ni  's  a'  chruinne  ta. 

Ged  nach  b'e  facal  Dhe  no  faoal  nan 
naomh  a  bha  anns  a'  Bhiobull  idir  tha  bard- 
achd  ann  a  tha  fada  fada  air  thoiseach  air 
bardachd  Oisein.  Cha  bu  toigh  learn  riamh 
leabhraichean  Oisein ;  cha'n'eil  annta  ach 
gaoth  is  ceo,  no  ma  dh'  fhaodas  mi  an  samh- 
ladh  atharrachadh,  maragan  gun  gheir  gun 
phiobar.  Ach  tha  biadh  is  ceol  anns  na 
siailm  daonnan,  co  dhiu  anns  a'  chuid  as 
fhearr  dhiubh.  C  aite  am  faigh  thu  a  leithid 
so  ach  ann  an  leabhar  nan  Salm  ? 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh 
Agad-sa,  Dhia  nan  diil ; 
Is  ann  ad  sholus  dealrach  glan 
Chi  sinne  solus  iuil. 

Sin  agad,  a  leughadair,  an  rud  ris  an  abair 
mise  bardachd  ;  nithean  mora  air  an  cur  ann 
an  culaidh  rioghail ;  simplidheachd  is  eir- 
eachdas  a'  pogadh  beul  ri  beul. 

Ach  gus  tilleadh  air  m'  ais  a  dh'  ionnsuidh 
na  greine  dh'  eirich  mi  mar  a  rinn  moran 
de  dhaoine  eile  air  an  naoieamh  la  fichead  de 
'n  6g-mhios  aig  coig  uairean  's  a  mhaduinn, 
a  dh'  fhaicinn  an  sgaile  a  bha  air  a  thil- 
geadh  oirre  leis  a'  ghealaich.  Bha  mi  an 
dochas  gu'm  faicinn  sealladh  nach  fhaic  mi 
gu  brath  tuilleadh.  Ach  ged  dh'  fhan  mi  a 
mach  fad  da  uair  an  uaireadair,  agus  peann 
'n  am  laimh  gus  rud  neonach  air  bith  a 
chithinn  a  chur  sios,  cha  'n  fhaca  mi  dad  a 
b'  fhiach  aithris  no  a  b'  fhiach  mo  leaba  fha- 
gail  air  a  shon.  Ach  mur  faca  mi  dad  neon- 
ach, fhuair  mi  a  mach  nach  'eil  cuid  de  mo 
choimhearsnaich  cho  firinneach  'g  a  bha  mi 
an  duil,  oir  la  no  dha  an  deidh  do'n  ghrein  a 
bhi  air  a  foluch  dh'  innis  feadhainn  dhiubh 
dhomh  mu  na  h-ionghnaidhean  uamhasach  a 
chunnaic  iad  anns  na  speuran,  ionghnaidh6a.n 
nach  fhaca  Calum  na  Croige  fhein  an  uair 
a  rainig  e  cridhe  na  h-Airde  Tuatb, 


31 


Ann  an  Atholl  cha  robh  grian  no  gealach 
li  fhaicinn  a'  rahaduinn  ud ;  bha  brat  tiugh 
de  neoil  dhoicha  a'  conihdach  aghaidh  na 
speiir.  Ach  dh'  fhas  an  duichadas  na  bu 
tiugha  fad  greis,  mar  gu'ui  biodh  an  oidhche 
air  tuiteam,  is  mhothaich  mi  gu'n  do  thoisioh 
l>eathaichean  a  bha  ag  ionaltradh  air  laighe. 
Dh'  fhas  na  h-eoin  samhach,  ged  nach  robh  iad 
a'  seinn  ro'  mhaith  a'  mhaduinn  ud  oo  dhiii, 
ach  mhothaich  mi  gu  robh  aon  eun  nach  do 
stad  de  sgriachail  fad  na  h-iiine,  an  gille- 
Bride.  Tha  taobh  bhlath  agam  ris  a'  ghille- 
Bhride,  oir  is  e  an  aon  eiin  mar  a  a  bhios  a' 
neadachadh  air  a'  ghliob  agam,  agus  cha  bu 
mhaith  leam  a  chreidsinn  nach  robh  urram 
no  eagal  no  irioslachd  ann  mar  bha  anns  na 
h-eoin  eile  an  uair  a  bha  nithean  soluimte  a' 
tachairt  anns  na  n^amhan. 

Ach  an  diugh  tha  a'  ghrian  a  bha  air  chall 
fad  seachduin  air  tighinn  a  mach  a  ris;  agus 
tha  an  saoghal  cho  aillidh  agus  gealltanas  na 
bliadhna  cho  laidir  's  gu'n  deachaidh  mo 
smuaintean  air  ciirsa  eile  seach  an  ciirsa  air 
an  robh  iad  an  uair  a  dh'  eirich  mi.  An  aite 
a  bhi  cosd  iiine  a'  labhairt  air  innleachdan 
mhic  an  duine  tha  mi  dol  a  thoirt  iobairt- 
bhuidheachais  do'n  Ti  mhor  agus  ghlormhor 
agus  chumhachdach  a  rinn  a'  ghrian  le  sear- 
mon  simplidh  soisgeulach  a  dheanamh  do  mo 
chridhe  fein  agus  do  mo  choimhthional  air  a' 
cheann-teagaisg  so,  Tha  esan  a'  toirt  air  a 
ghrein  fein  eirigh  air  na  droch  dhaoine  agus 
air  na  deagh  dhaoine. 


AN  GEATA  CUMHANN. 

Deanaihh  spdirn  chruaidh  gu  dol  a  stigh 
ait'  a'  gheata  chumhann. — Lucas  xiii.  24. 

Cha'n'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  lugha  air 
daoine  na  gu'n  saoileadh  daoine  eile  gu  bheil 
iad  cumhann.  B'  fhearr  leo  e  bhi  air  a  chur 
as  an  leth  gu'n  do  bhris  iad  tri  no  ceithir  de 
na  h-aitheantan  seach  e  bhi  air  a  chur  as  an 
leth  gu  bheil  iad  cumhann.  Agus  rud  as 
miosa  air  fad,  tha  an  saoghal  a'  saoilsinn  an 
diugh  nach  bi  ministear  air  bith  a'  searmon- 
achadh  air  a  leithid  so  de  cheann-teagaisg 
ach  ministearan  cumhann. 

Ach  cha'n  e  ministear  no  sagart  a  labhair 
am  facal  so  ach  an  Slanuighear  beannaichte 
e  fein,  agus  c6  a  ghabhadh  air  fein  a  radh  gu 
robh  esan  cumhann,  no  gu  robh  e  uair  air 
bith  a'  feuchainn  ri  eagal  a  chur  air  daoine? 
Agus  a  thuilleadh  air  sin,  cha'n'eil  am  facal 
so  a'  seasamh  leis  fein  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh ;  tha  an  Tiomnadh  Nuadh  Ian  de  'n 
t-seorsa  teagaisg  so,  gu  bheil  e  furasda  do 
dhaoine  an  anam  a  chall,  gu  bheil  e  duilich 
dhaibh  aitheantan  Dhe  a  choimhead,  agus  mar 
sin,  gu'm  feum  iad  spairn  chruaidh  a  dhean- 


amh ma  bu  mhaith  leo  dol  a  steach  do  riogh- 
achd  neimh. 

Tha  da  ni  ann  a  bu  choir  a  bhi  air  a  radh 
anns  a'  ohiibaid  gun  sgur,  (1)  naoh  bi  an 
diadhaidheachd  gu  brath  furasda,  agus  (2) 
nach  bi  an  diadhaidheachd  gu  brath  taitneach 
do'n  duine  nadurra.  Ach  air  a  shon  sin  tha 
an  saoghal  ag  iarraidh  air  an  eaglais  creid- 
eamh  furasda  no  diadhaidheachd  fhurasda  a 
thoirt  da,  agus  tha  an  saoghal  a'  faotainn 
coire  do'n  eaglais  a  chionn  nach  'eil  i  a' 
taladh  dhaoine  'ga  h-ionnsuidh,  mar  a  thal- 
aidheas  an  tigh-osda  no  tigh-nan-dealbh  iad. 
Ach  na'm  faicteadh  uiread  dhaoine  a'  dol 
do'n  eaglais  's  a  chithear  a'  dol  do  thigh-nan- 
dealbh  bhiodh  amharus  agam  gu  robh  iad  a' 
faotainn  soisgoul  eile  innte  seach  an  soisgeul 
a  tha  anns  na  briathran  so,  Deanaihh  spdirn- 
chruaidh  gu  dol  a  stigh  air  a'  gheata  chumh- 
ann. 

Ged  tha  taobh  bhlath  agam-sa  ris  a  h-uile 
searmonaiche  a  tha  soisgeulach  'n  a  theagasg 
agus  a  bhios  ag  ardachadh  na  saorsa  agus  na 
sithe  agus  na  slainte  a  gheibhear  ann  an 
Criosd  le  aon  sealladh  fhaicinn  air  le  siiil  ar 
creidimh,  tha  mi  a'  faicinn  cuideachd  nach 
trie  leis  na  searmonaichean  sin  iomradh  idir 
a  dheanamh  air  taobh  eile  de'n  fhirinn  no 
air  taobh  eile  de  bheatha  na  diadhaidheachd. 
Bho  na  dh'  fhalbh  Cardinal  Newman  agus  an 
t-Ollamh  Mac  Ille  Bhain,  an  Duneideann,  cha 
'n  aithne  dhomh  aon  eile  an  diugh  am  measg 
phrionnsachan  na  h-eaglais  a  bhios  ag  eigh- 
each  gun  sgur  ann  an  cluasan  dhaoine  gu 
bheil  an  t-slighe  gu  neamh  fada  agus 
duilich,  agus  nach  ruig  duine  air  bith 
a  leas  fiughair  a  bhi  aige  gu'n  ruig  e  neamh 
mur  smachdaich  e  an  inntinn  nadurra  agus 
an  cridhe  peacach  a  tha  air  a  ghiiilan,  gus 
nach  bi  'na  bheatha  ach  stri  agus  cogadh  a 
h-uile  latha.  Bhiodh  e  gu  buannachd  do'n 
eaglais  na'n  robh  an  taobh  so  de'n  fhirinn  air 
a  cumail  fa  chomhair  dhaoine  na's  motha  na 
tha  i,  an  spairn  chruaidh  a  dh'  fheumas  iad 
a  dheanamh  ma  tha  iad  air  son  fantuinn  ann 
an  oo-chomunn  Cbriosd. 

Ciod  mo  dhuais  ma  ni  mi  'leantuinn 
Mar  fhear-iiiil  do  m'  cheum? 
lomadh  doilghios,  deur,  is  deuchainn 
lomadh  beum. 

Sin  agad,  a  leughadair,  cridhe  na  firinn. 
An  uair  a  tha  siiilean  duine  air  am  fosgladh 
le  spiorad  an  Tighearna,  agus  a  chi  e  airde 
na  gairme  a  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairm 
Criosd  e,  agus  an  seorsa  beatha  a  tha  nis  mar 
fhiachaibh^air  mar  dheisciobul  Chriosd,  cha 
'n  e  sith  a  tha  an  duine  sin  a'  faotainn  ach 
claidheamh,  claidheamh  a  theid  an  sas  'n  a 
chridhe  a  h-uile  la  a  dh'   eireas  e. 


32 


Ciamar  a  bhitheadh  an  diadhaidheachd 
furasda,  no  ion-mhiannaichte  leis  a  mhoi- 
fhuidheachd  de  dhaoine?  Oir  ciod  an  seorsa 
beatha  a  tha  Criosd  ag  iarraidh  bhuainn, 
agus  a  tha  air  a  cur  ronihainn  anns  an  Tiom- 
nadh  Nuadh  mar  riaghailt  ar  creidimh  1  Tha 
e  ag  iarraidh  oirnn  gach  ni  eile  a  leigeil 
seachad,  tigh,  is  bean,  is  teaghlach,  is  conih- 
fhurtachd,  is  urram  saoghalta,  air  ghaol  ar 
spioradan  agus  ar  cridheachan  a  bhi  glan 
agus  fallan ;  tha  e  ag  iarraidh  oirnn  ana- 
mianna  na  feola  a  cheusadh  cho  buileach  's 
gu'm  bi  sinn  toileach  cas  no  lamh  no  suil  no 
ball  air  bith  eile  d'ar  corp  a  tha  'gar  cur  air 
seachran  a  ghearradh  asainn  ;  tha  e  ag  iarr- 
aidh oirnn  ar  n-uaill  agus  ar  fein-fhireant- 
achd  a  chur  fo  ar  casan ;  maitheanas  a  thoirt 
d'  ar  naimhdean  agus  gradh  gun  cheilg ;  tha 
e  ag  iarraidh  oirnn  daoine  a  mhallaicheas 
sinn  a  bheannachadh  ;  a  bhi  Ti-ocaireach  agus 
macanta  agus  iriosal ;  umhlachd  agus  gradh  a 
thoirt  do  ar  n-Athair  neamhaidh  1©  ar  n-uile 
chridhe  agus  anam, — sin  agad  an  seorsa 
beatha  a  tha  Criosd  a'  cur  romhainn,  agiis 
abair  thusa  a  nis,  a  leughadair,  a  bheil  tu 
da  rireadh  a'  creidsinn  gu'm  biodh  a'  bheatha 
so  furasda  dhuit  no  gu'm  biodh  i  taitneach 
<lo  d'  fheoil  ?  Anns  an  duine  as  naoimhe  air 
thalamh  tha  freumh  de'n  inntinn  nadurra  ; 
is  ro  thoigh  leis  an  inntinn  nadurra  an  fheoil 
a  thoileachadh  agus  suaimhneas  is  solas  a 
thoirt  dhi ;  is  toigh  leatha  gean-maith  agus 
gloir  an  t-saoghail  a  chosnadh,  ach  tha  sin 
u)ile  calg-dhireach  an  aghaidh  inntinn 
Chriosd. 

Tha  diiil  aig  moran  dhaoine  an  diugh  gur 
e  creud  na  h-eaglais  as  aobhar  nach  urrainn 
daibh  an  creideamh  Criosduidh  aideachadh, 
ach  fad  na  h-uine  is  e  an  duileadas  a  tha  anns 
a'  bheatha  dhiadhaidh  a  tha  'gan  cumail  air 
falbh  bho  Chriosd.  Eadhon  ged  nach  abair 
iad  e  riu  fein  air  a  cheann  tha  faireachduinn 
aca  'n  an  cridhe  nach  b'  urrainn  daibh  an 
aghaidh  a  chumail  ri  lagh  ard  agus  naomh 
an  Tighearna  gun  spairn  cho  cruaidh  a  dhean- 
amh  's  gu'm  biodh  am  beatha  'n  a  h-uallach 
dhaibh.  Agus  mar  sin  treigidh  iad  Criosd 
mar  a  threig  Demas  Pol  a  chionn  gu  bheil 
gaol  as  motha  aca  air  an  t-saoghal. 

Deanaibh  spairn  chruaidh  gu  dol  a  stigh 
air  a'  gheata  chumhann.  Uair  is  uair  eile  "n 
a  theagasg  thainig  Criosd  air  ais  gus  an  ear- 
ail  sin,  mar  gu'm  biodh  eagal  air  gu'm  meall 
adh  daoine  iad  fein,  agus  gu'm  biodh  iad 
toilichte  le  beatha  air  bith  ach  a'  bheatha  as 
airde. 


EALASAID  BHEAG  AGUS  A  CHUTHAG. 

Is  e  an  naigheachd  as  iiire  a  tha  agam  air 
a'  mhios  so  gu  bheil  an  t-Urramach  Niall  Mac 


Pharlain,  B.D.,  ministear  Chille-sgumain,  a' 
cur  roimhe  labhairt  an  aghaidh  bheachdan 
mearachdach  a  tha  tachairt  air  am  measg  an 
t-sluaigh.  Dh'  ainmich  e  gu'm  biodh  tri 
coinneamhan  aige  anns  an  tigh-sgoil  gus  a 
shoillearachadh  do'n  t-sluagh  nach  'eil  grunnd 
idir  aig  cuid  de  na  beachdan  a  tha  aca.  Tha 
e  a'  cur  dragh  mor  air  a  ohoguis  gii  bheil 
Ealasaid  bheag  a'  creidsinn  gu'm  biodh 
barrachd  eireagan  aice  leis  a'  ohirc  a  chur  air 
ghur  Di-luain  na  bhiodh  aice  na  'n  cuireadh 
i  air  ghur  i  Di-haoine  ;  agus  nach  'eil  i  a' 
creidsinn  idir  gu  bheil  an  saoghal  a'  gluasad 
no  gu  bheil  e  a'  dol  mu'n  cuairt  na  greine. 
Tha  e  a'  cur  dragh  mor  air  cuideachd  gu 
bheil  Iain  Mac  Coinnich  Ian  de  bheachdan 
neonach  do  nach  'eil  na  sgoilearan  ann  an 
Oilthigh  Dhimeidinn  a'  toirt  gnuis,  agus  gu 
'm  bi  e  a'  cleachdadh  ghisreagan  an  am  cur  is 
buana  air  nach  cuala  muinntir  Dhuneidinn 
no  Bord  an  Fhearainn   riamh   iomradh. 

Tha  Tom  Elliot  ri  bhi  anns  a'  chathair  aig 
na  coinneamhan  sin,  ach  a  reir  mar  a  bhios 
Seonaid  Eachainn  ag  innseadh  dhomhsa,  is 
ann  an  deidh  dhaibh  an  tigh-osda  aig  Tom 
Elliot  fhagail  a  bhios  muinntir  Chille-sgumain 
a'  faicinn  agus  a'  cluinntinn  nan  nithean  as 
neonaiche  anns  a  bheil  iad  a'  creidsinn. 

Ach  tha  amharus  agam  nach  clean  na  h- 
oraidean  a  bheir  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  seachad  maith  no  cron  ach 
gu'n  toir  iad  cothrom  do  mhuinntir  Chille- 
sgumain  oidhche  thugaideach  a  chur  seachad 
anns  an  tigh-sgoil  ;  an  ath  earrach  cuiridh 
Ealasaid  bheag  a'  chearc  air  ghur  Di-luain 
mar  a  b'  abhaist  dhi.  An  uair  mu  dheireadh 
a  bha  mi  an  Cille-sgumain  bha  mi  fhein  agus 
Ealasaid  a'  bruidhinn  r'a  cheile  os  iosal  air 
rudan  nach  bu  mhaith  leinn  gu'n  cluinneadh 
ministear  na  sgireachd.  "  Tha  fhios  agam- 
sa,"  ars'  ise,  "  gu  bheil  na  seann  fhacail  a 
tha  anns  a'  Bhiobull  fior  :  an  uiridh  chaidh 
mi  a  mach  maduinn  thrath  gun  ghreim  arain 
itheadh  no  gun  bhalgum  uisge  61,  agus  gu  de 
a  tha  agad  air,  a  ghaoil,  ach  gu'n  cuala  mi 
gug-gug  na  cuthaige,  is  bha  fhios  agam  gu'm 
b'e  sin  gug-gug  mo  leiridh."  "  Ma  'n  tainig 
an  t-samhuinn,  a  ghaoil,  shiubhal  piuthar 
mo  sheanmhathar." 

"  Ciod  an  aois  a  bha  pivithar  do  shean- 
mhathar, Ealasaid?"  "Bha  i  tri  deug  is 
ceithir  fichead." 

Gu  ma  maith  a  theid  do'n  Urramach  Niall 
Mac  Pharlain,  B.D.,  'n  a  obair,  ach  tha 
amharus  agam  gu  robh  cho  mhaith  dha  an 
uine  a  chuireas  e  seachad  a  sgriobhadh  nan 
oraidean  ud  a  chur  seachad  ag  iasgach 
bhreac. 


Air.  9. 


927. 


ITABACUC. 

MairifTli  am  firean  bed  le  a  chreideamh.  (ii.  4). 

Ann  an  naiglieachd  a  bha  air  a  sgriobhadh 
leis  a,n  dnine  ohaomh  nach  maireann,  an 
t-Urramach  I.  P.  Struthers  an  (Irianaig,  tha 
6  ag  innseadh  mil  sheana  bhean  dhiadhaidh 
a  bha  creidsinn  gu  bheil  fhios  aig  na  naoimh 
air  n^amh  ciod  a  bhithear  ag  radh  umpa  air 
thalamh ;  gu  bheil  fhios  aig  na  faidhean  agus 
na  h-abstoil  cia  meud  ceann-teagaisg  a  tha 
air  a  ghabhail  as  na  sgriobhaichean  aca  a 
h-uile  Sabaid.  Bhiodh  i  duilich  air  son  nam 
faidhean  beaga,  Nahum  is  Haggai  is 
Sephaniah,  oir  bha  i  an  duil  gu'm  biodh  iad 
air  an  narachadh  an  uair  a  thachradh  iad  air 
Pol  no  air  Eoin  air  maduinn  Diluain  agus  a 
dh'  innseadh  na  h-abstoil  mhora  sin  daibh  gu 
robh  tri  no  ceithir  mile  ministear  air  thalamh 
a'  searmonachadh  air  cinn-tlieagaisg  anns  na 
litrichean  aca  an  de,  agus  gun  cheann-teagaisg 
idir  air  a  ghabhail  asda  fein. 

An  uair  a  bhiodh  i  a'  leughadh  a'  Bhiobuill 
leatha  fein  bhiodh  i  an  drasd  's  a  rithist  a' 
seachnadh  Phoil  agus  Eoin  agus  Isaiah  (ged 
b'iad  sin  na  sgriobturan  a  b'  fhearr  leatha) 
agus  a'  toirt  greis  air  leughadh  Malachi  no 
Habacuc,  los  nach  biodh  iad  air  na  narachadh 
cho  mor. 

Theagamh  gu'n  abair  cuid  de  na  leughas 
an  duilleag  so  nach  robh  aig  an  t-seana  bhean 
ud  ach  beachd  faoin,  ach  theirinn-sa  nach 
smuain  fhaoin  a  tha  ann  an  smuain  air  bith 
a  chuireas  an  cridheachan  dhaoine  am  modh 
agus  an  coibhneas  agus  am  blaths  a  bha  an 
cridhe  na  seana  mhnatha  ud.  Sud  an  doigh 
anns  am  bi  iadsan  aiig  a  bheil  spiorad 
Chriosd  a'  cuideachadh  le  am  braithrean 
meata  misneach  a  ghlacadh. 

Ach  ged  nach  bu  mhaith  leamsa  mi  fhein 
gu'm  biodh  Habacuc  air  a  narachadh  an  uair 
a  thachras  e  ri  Pol  cha'n  e  sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  mi  a'  gabhail  ceann-teagaisg  as  an 
leabhar  aige  an  drasd.  Bu  duine  Habacuc 
a  dh'  fhaodadh  seasamh  air  a  chasan  fein 
an  lathair  righrean  agus  abstol,  agus  sgriobh 
e  nithean  as  fhiach  an  leughadh  air  an 
sgath  fein. 

(red  tha  e  air  aireamh  am  measg  nam 
faidhean  ris  an  abrar  na  faidhean  beaga  bha 
lamh  aige  ann  an  nithean  mora,  agus  thainig 
smuaintean  a  steach  'n  a  inntinn  a  bha  'n 
am  meadhon,  an  deidh  laimhe,  air  an 
t-saoghal  a  thilgeadh  bun  os  cionn. 

Ged     is    mor    agus    ainmeil    an     abhainn 


abhainn  Tatha  cha  'n  'eil  aoh  gle  bheag  de 
dhaoine  d'an  aithne  c'aite  a  bheil  abhainn 
Tatha  a'  toiseachadh ;  cia  as  a  tha  a 
h-uisgeachan  a'  tighinn.  Tha  iad  a  tighinn 
a  Loch  Tatha,  ach  cia  as  a  thainig 
Loch  Tatha  fhein?  Thainig  e  a  iomadh  allt 
agus  sriilag,  cuid  dhiubh  ag  eirigh  a 
tobraichean  air  na  monaidhean  dluth  air 
criochan  Earraghaidheal.  Sin  mar  tha 
tachairt  cuideachd  a  thaobh  nithean  mora  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail.  Tha  na  nithean 
mora  a'  tighinn  a  nithean  beaga,  ach  air 
uairean  tha  e  duilich  na  nithean  beaga  sin  a 
lorgachadh. 

An  uair  a  smuainichear  air  an  Ath- 
leasachadh  cha  lorgaichear  na's  fhaide  air  ais 
e  na  Martainn  Luther.  Theirear  gur  e  Luther 
iighdar  agus  fear-criochnaiche  an  Ath- 
leasachaidh,  agus  ann  an  aon  seadh  tha  sin 
flor.  Ach  air  a  shon  sin,  ma  leanas  tu 
abhainn  mhor  an  Ath-leasachaidh  gus  an  fhior 
thobar  as  an  d'eirich  i  a  lorgachadh  feumaidh 
tu  dol  air  t'  ais  na  ceudan  bliadhna  roimh 
laithean  Lutheir. 

Tha  fear  de  na  diadhairean  a  sgriobh  mu 
Luther  ag  radh  gu  robh  e  aon  la  'n  a  shuidhe 
an  seomar  beag,  a'  leughadh  na  litir  a  chuir 
Pol  a  dh'  ionnsuidh  nan  Romhanach,  agus  gur 
h-ann  an  la  sin  a  fhuair  e  dearbhachd 
creidimh  agus  sith  anama.  Bha  e  a'  leughadh 
na  h-earrann  so,  Oir  a  ta.  fireantachd  Bhe  air 
a,  foillseachadh  ann  tre  chreideamh  gu 
creideamh;  mar  a  ta  e  sgriobhta,  Bithidh  am 
firean  bed  tre  chreideamh,  agus  a  dh'  aon 
ruith  leum  an  smuain  'na  inntinn  nach  b'ann 
le  oibrichean  fein  a  bhiodh  e  air  a  shaoradh 
idir  ach  le  creideamh  anns  an  Tighearna  losa 
Criosd.  Sin  a'  chlach-steidh  air  an  do  thog 
Luther  an  eaglais  Phrostanach,  gu  bheil 
peacaich  air  am  fireanachadh  tre  cheideamh. 
Ach  ged  is  e  Pol  a  dh'  fhosgail  a  shuilean, 
agus  ged  is  ann  ann  an  litir  Phoil  a  fhuair  e 
an  teagasg  so,  is  ann  bho'n  fhaidh  Habacuc  a 
fhuair  Pol  fein  e,  air  chor  agus  gu  bheil 
abhainn  an  Ath-leasachaidh  ag  eirigh  ann  an 
duthaich  as  fhaide  air  falbh  na  Ghearmailt 
agus  ann  an  laithean  as  fhaide  air  falbh  na 
1508 ;  tha  i  ag  eirigh  ann  an  tobar  de  uisge- 
beo  a  bha  ann  an  cridhe  seann  fhaidh  anns 
an  aird  an  Ear,  duine  a  bha  air  a  riasladh 
le  cuid  de  na  ceart  nithean  a  bha  cur  dragh 
air  anam  Lutheir  ach  a  fhuair  fois  an  uair 
a  chuir  Dia  an  smuain  'n  a  inntinn,  Mairidh 
am,  firean  bed  le  a  chreideamh. 

An  uair  a  bha  mi  a'  smuaineachadh  'n  am 
inntinn    fhein     air    Habacuc     an    de,    agus 


34 


ionghnadh  orm  co  ris  a  bha  e  coltach,  thoisich 
mi  air  mo  leabhraichean  a  rannsachadh  a  dh' 
fheuchainn  ri  solus  a  b'  fhearr  fhaotainn  na  'n 
solus  a  bha  agam  fhein.  Ach  b'e  sin  dhomhsa 
an  iarraidh  dhiomhain  !  G«d  nach  'eil  ann  an 
leabhar  an  fhaidh  so  ach  tri  caibidealan 
goirid  uile  gu  leir  tha  uiread  de  bheachdan 
aig  na  diadhaiiean  agus  na  sgoilearan  mora 
umpa  (beachdan  a  tha  calg-dhireach  an 
aghaidh  a  cheile)  's  nach  biodh  e  furasda 
dhomh  roghainn  a  dheanamh  eatorra. 

Mar  sin  leanaidh  mi  mo  sholus  fein.  Agus 
ni  mi  sin  na's  togarraiche  a  chionn  gu  bheil 
mi  a'  faotainn  a  mach  mar  is  sinne  tha  mi  a' 
fas  nach  'eil  solus  air  an  t-saoghal  as  fhearr 
do  dhuine  a  leantuinn  na  a  choinneal  bheag 
fein.  Leugh  mi  na  tha  aig  na  sgoilearan  ri 
ladh  mu  Habacuc  agus  is  e  an  co-dhunadh  a 
thainig  mi  thuige  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
nach  'eil  thu  a'  call  dad  as  fhiach  iomradh 
a  dheanamh  air,  a  leughadair,  ged  nach  b' 
aithne  dhuit  aon  ni  idir  mu'n  fhaidh  no  m'a 
leabhar  ach  na  dh'  fhaodas  duine  air  bith 
fhaicinn  le  shiiilean  fein  ma  leughas  e  na  tri 
caibidealan  ud  anns  a'  BhiobuU  Ghaidhlig. 

Tha  cuid  de  bhriathran  an  fhaidh  so  cho 
marbh  an  diugh  's  nach  ruig-ear  a  leas  iiine  a 
chosd  orra,  ach  tha  cuid  eile  clhiubh  cho  beo 
's  gu'n  cluinn  thu  iad  fhathast  air  bilean 
dhaoine  a  tha  an  diiil  nach  'eil  iad  a'  creidsinn 
anns  a'  Bhiobull,  agus  aig  nach  'eil  fhios  gur 
ann  as  a'  Bhiobull  a  tha  iad.  Sin  aon  doigh 
air  a'  bheatha  agus  an  ciunhachd  a  tha  ann 
an  leabhraichean  a  thomhas — an  greim  a  tha 
iad  a'  faotainn  air  cainnt  chumanta 
an  t-sluaigh  no  air  cainnt  na  h-eaglais.  Ma 
chuirear  an  dearbhadh  sin  air  Habacuc 
seasaidh  e  ris  moran  na's  fhearr  na  cuid  eile 
de  na  faidhean  aig  a  bheil  cliu  as  airde  anns 
an  eaglais. 

Nach     ^  eil     iliusa     o     shiorruidheachd ,     0 

Thighearna,  mo  Dhlal 
Tha  do  shiiilean  na'.^  glaine  va  gu'n  seall 

ihu  air  olc  ; 
Cha'n  fhaod  thu  atfiharc  air  aingidheachd. 

Gu  cinnteach  llonar  «??.  talainh  le  edias  gldire 

an  Tighearva, 
Mar  tha  na   h-uisgeachav    a'  cdwhdachadh 

na  fairge. 

Tha  an  Tighearna  'na  theniupidl  naomh; 
Bi  a'd'  thosd  'na  fhianuis,  0  thalaimh  uUe. 

0  Thighearna,  ath-hheothaicJi  t'  obair  ann 
am  tneadhon  nam  bliadhnachan ; 

Ann  am.  meadhon  nam,  hliadlinachav  dean 
aithnichte  ; 

Ann  an  corruich  cvimhnich  trdcair. 

Gach  uair  a  bhios  na  briathran  sin  air  ar 
bilean,    agus   nach   trie   a   bhios  sinn    'g   an 


uisneachadh  'n  ar  n-urnuighean !,  tha  co- 
chomunn  spioradail  againn  ris  an  fhaidh 
Habacuc  a  sgriobh  iad  bho  chionn  corr  agus 
da  mhile  bhiadhna.  Agus  duine  air  bith  a 
thug  d'a  cho-chreutairean  na  ceart  bhriathran 
leis  an  teid  iad  an  lathair  an  Tighearna,  da 
mhlle  bliadhna  an  deidh  dha  bhi  marbh, 
nach  cinnteach  gu'm  bu  duine  diadhaidh 
e,  agus  gu'm  bu  duine  e  aig  an  robh  talantan 
mora. 

Tha  an  leabhar  a  sgriobh  Habacuc  a' 
criochnachadh  mar  bu  choir  do  gach  sgeul 
air  rioghachd  Dhe  criochnachadh,  le  iolach  is 
buaidh.  Ged  thuit  e  an  diobhail  misnich 
car  greis  an  uair  a  chunnaic  e  na  daoine  ceart 
a'  del  air  chul  agus  na  daoine  aingidh  a" 
soirbheachadh,  gidheadh  bha  fhios  aige  gu 
robh  Dia  air  a  righ-chathair  agus  bha  earba 
aige  ann  an  riaghladh  Dhe;  earbsa  gu'n 
deanadh  e  soilleir  nithean  a  bha  dorcha  agus 
gu'n  deanadh  e  direach  nithean  a  bha  cam. 

Theagamh  gur  h-aithne  d'ar  luchd-leughaidh 
a'  chuid  mu  dheireadh  de  leabhar  Habacuc 
anns  an  laoidh  .anns  an  do  chuir  Philip 
Doddridge  am  meadar  e  na's  fhearr  na's 
aithne  dhaibh  e  air  dhoigh  eile. 

1 .  Chaoidh  ged  nach  toir  crann-fige  blath, 
'S  naoh  fas  air  fion-chrann  meas ; 
Saoth'r  a'  chroinn-olaidh  ged  a  threig, 
'S  fas  deis  gun  bhi  air  slios; 

2.  Gach  treud  o'n  mhainnir  ged  a  bhuail 
Grad  fhuathas  'nuair  nach  saoil ; 
Greigh    ged    nach    fag    an    t-Earrach 

cruaidh. 
No  bo  air  uachdar  raoin  ; 

3.  Gidheadh  's  an  Triath  bidh  mise  ait, 
Is  ni  mi  uaill  'na  ghradh ; 
Mor  aoibhneas  ni  mi  ann  an  Dia  ; 
'Se  Dia  mo  shlaint  sn  brath. 

{Laoidh  32). 

Ann  am  fear  de  na  leabhraichean  a  sgriobh 
an  t-Ollamh  Alasdair  Stiubhard  a  bha  an 
Lochabar  tha  e  ag  radh  nach  fhaca  e  riamh 
sealladh  a  bu  mho  a  bhean  r'a  chridhe  na 
coimhthional  anns  a'  Ghaidhealtachd  a'  seinn 
na  laoidh  so  le  'n  uile  chridhe  air  droch  latha 
ann  am  foghar  fliuch  is  anmoch,  agus  na 
h-adagan  a'  fas  dubh  agus  a'  grodabh  air  na 
h-achaidhean. 

An  uair  a  tha  thu  a'  cur  eolais  an  toiseach 
air  duine  no  air  leabhar  tha  e  feumail  gu'm 
biodh  tu  air  do  thoirt  'n  an  lathair  leis  an 
duine  cheart,  agus  ma  bu  mhaith  leatsa,  a 
leughadair,  eolas  a  chur  air  Habacuc 
ceannaich  an  leabhar  a  sgriobh  an  t-Ollamh 
George  Adam  Smith  mu  na  faidhean.  Cha 
chosd  e  dhiiit  uiread   agus  a  chosdadh  ad  ur 


35 


(lliuit,  agus  ni  e  fada  barraclid  maith  do  d" 
clieann  na  dheanadh  an  ad. 

Tha  diiil  aig  daoine  gu  bheil  e  nioran  na's 
duilichecreidsinn  ann  an  Dia  an  diugh  na  bha 
e  anns  an  t-seann  t-saoghal,  ach  is  e  an 
fhivinn  gu  bheil  e  duilich  creidsinn  ann  an 
Dia  ann  an  linn  air  bith.  Ann  an  aon  seadh, 
tha  e  na's  fhasa  creidsinn  anns  an  Diabhol  na 
ann  an  Dia,  oir  ged  tha  fianuis  nan  ginealan 
agus  nan  linntean  air  taobh  an  Tighearna  tha 
fianuis  nam  mionaidean  agus  nan  uairean 
agus  nan  laithean  air  taobh  Shatain. 

Tha  oibrichean  Shatain  cho  lionmhor  agus 
cho  faicsinneach  's  nach  gabh  iad  folach  :  chi 
duine  le  shuilean  iad  is  cluinnidh  e  le  chluasan 
iad  is  lairnhsichidh  e  le  a  lanihan  iad.  Ach 
cha  'n  ann  mar  sin  idir  a  tha  oibrichean  an 
Tighearna  :  cha  'n  fhaic  suil  iad  ;  cha  chluinn 
cluas  iad;  cha  laimhsich  lamh  iad.  Tha  iad 
air  am  foillseachdadh  do'n  chridhe  agus  air 
an  tuigsinn  leis  a'  chridhe. 

Sin  an  t-aobhar  gu  robh  am  buairidhean 
fein  agus  an  teagmhaidhean  fein  agus  am 
mi-chreideamh  fein  aig  na  naoimh  uile  bho 
thoiseach  an  t-saoghail.  Ma  tha  duine  a' 
creidsinn  ann  an  Dia  an  da-rireadh  feumaidh 
e  gun  chreidsinn  ann  an  moran  de  na  tha  e  a' 
faicinn  le  shiiilean.  Feumaidh  e  dearbhachd 
a  bhi  aige  mu  nithean  nach  fhaoa  e,  agus 
nithean  a  tha  e  faicinn  a  chur  an  suarrachas. 
Bha  smuaintean  ard  agus  uasal  aig  Haba- 
cuc,  mu  Dhia  agus  mu  ruintean  Dhe,  ach  mar 
is  airde  na  smuaintean  a  tha  aig  duine  air  Dia 
is  ann  is  duiliche  dha  creidsinn  ann  an  Dia 
an  uair  a  tha  fiosrachadh  a  bheatha  a'  cur 
teagaimh  'n  a  chridhe  nach  'eil  an  saoghal 
air  a  riaghladh  gu  ceart.  Bha  ciusa  an  t- 
saoghail  a'  cur  dragh  agus  ionghnadh  mor  air 
Habacuc  agus  mar  sin  dh'  iarr  e  air  Dia  e  fein 
fhireanachadh. 

Seasaidh  mi  air  ?/?.'  fhaire,  ars'  esan,  agus 
feuchaidh  mi  ciod  a  their  e  riumi 

B'e  an  sealladh  no  an  leasan  a  thug  lehobhah 
do  Habacuc  dearbhachd  a  thoirt  da  'n  a 
chridhe  fein  nach  mair  dad  beo  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  ach  fireantachd  :  tha  binn  am 
bais  cheana  air  ghiulan  nan  daoine  a  bhios 
ri  foill  is  ainneart  is  eucoir,  ach  mairidh  am 
firean,  bed  le  a  chreideamh. 

Ma  ghabhas  tu  la  air  bith  leis  fhein  no 
bliadhna  air  bith  leatha  fhein,  theagamh  nach 
'eil  iad  a'  teagasg  an  leasain  sin,  ach  tha  na 
ginealan  agus  na  linntean  'g  a  theagasg  :  tha 
iad  a'  teagasg  nach  seas  na  h-aingidh  anns  a' 
bhreitheanas  agus  gu'm  bi  iad  mar  am  moll 
a  dh'  iomaineas  a'  ghaoth.  Tha  na  ginealan 
agus  na  linntean  a'  teagasg  gir  bheil  iadsan  a 
choimheadas  lagh  an  Tighearna  beannaichte 
da-rireadh  agus  nach  searg  an  duille.  Agus 
ciod  is  fhiach  ar  creideamh  agus  ar  dochas  an 


Dia  mur  creid  sinn  fianuis  nan  linntean  air 
thoiseach  air  guth  is  glaodh  na  mionaid  a  tha 
lathair.  Cha  'n  'eil  mile  blia<lhna  ann  an 
sealladh  Dh©  ach  mar  fhaire  anns  an  oidhche. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Ma  tha  aite  air  an  t-saoghal  as  boidhche  na 
Sleibhte  anns  an  eilein  Sgitheanach  cha  'n 
fhaca  mise  an  t-aite  sin  riamh.  Is  maiseach 
an  sealladh  a  gheibh  duine  an  uair  a  sheasas  e 
air  cnoo  a  tha  dliith  air  cladh  Pheighinn-a- 
Phiiir  OS  cionn  an  Obain  agus  a  sheallas 
e  suas  air  an  Apuinn  agus  air  beanntan 
Ghleann  Comhann  agus  air  an  linne  agus  na 
h-eileanan  a.  tha  eadar  an  Apuinn  agus  Ceann- 
ghearrloch.  Is      maiseach      an       sealladh 

cuideachd  a  gheibh  thu  o'n  bhruthach  a  tha 
eadar  Scaniport  agus  an  tigh-sgoil  ann  an 
sgire  Dhurais,  an  uair  a  dh'  fhosglas  Loch  Nis 
romhad  agus  a  sheallas  tu  suas  gu  Cille- 
chuimein  air  latha  ciiiin  an  uair  a  bhios  an 
loch  mar  sgathan  agus  faileas  nan  craobh  agus 
nam  beanntan  ri  fhaicinn  ann  air  gach  taobh. 
Ro-mhaiseach  agus  ro-thaitneach  do'n  t-siiil 
tha  Creag-bharr  an  Rainneach  an  uair  a  bhios 
na  craobhan  oga  lairig  a'  gobachadh  anns  an 
earrach  agus  a'  roiseachadh  air  am  barraibh 
a  dhathadh  le  uaine,  dath  is  riomhaiche  na 
gin  de  na  dathan  a  bha  ann  an  teampull 
Sholaimh. 

Sin  tri  aitean  air  am  bi  mise  air  uairean 
a'  bruadar,  oir  thug  iad  solas  nach  bu  bheag 
dhomh  a'  cheud  uair  a  chunnaic  mi  riamh  iad. 
Agus  thug  iad  solas  dhomh  iomadh  uair 
bhuaith  sin ;  ann  am  chadal  theid  agam  air 
dol  thuca  gun  uiread  agus  faradh  a 
phaigheadh  no  la  a  chall  bho  m'  obair, 

Ach  tha  aite  eile  ann  a  nis  d'  an  tug  mi  mo 
chridhe;  sealladh  eile  a  tha  fhios  agam  a  thio- 
air  ais  thugam  n  am  bhruadar  ;  an  sealladh  a 
chi  thu  OS  cionn  Tharscavaig  ann  an  Sleibhte. 
Tha  an  sealladh  ud  na's  farsuinge  na  gin  de 
chach ;  tha  gach  ni  ann  a  tha  maiseach  ri 
fhaicinn  ann  an  dealbh ;  muir  is  mo«adh, 
beanntan  iseileanan,  craobhan  is  creagan  lom. 
Shios  fo  d"  chasan  chi  thu  baile  beag 
Tharscavaig  fein  ;  croitean  na  tuatha  mar  gu'm 
biodh  brait  bhreacain  leis  gach  seorsa  dath  ; 
tighean  grinn  geala  air  a  bheil  coltas  sgoinne 
agus  deagh-dhoigh ;  air  a  chiil  air  an  dara 
taobh  an  Cuan  Mor  far  am  faic  thu  Uibhist 
is  Cana.  is  Riim  agus  na  h-eileanan  eile  sios  a 
dh'  ionnsuidh  an  Rudha  Mhurchannaich  ; 
agus  air  a  chul  air  an  taobh  eile  Loch  Eiseord 
agus  a,n  sin  Srathaird  ;  Loch  Scavaig  agus  an 
sin  na  beanntan  as  rioghaile  a^  thog  riahih  an 
cinn  ris  an  speur,  Cuilionn  is  Sgurr  Alasdair 
is  So'urr  nan  Gillean  is  Blabheinn, 


36 


Ach  ged  b'e  sud  an  sealladh  a  bu  mho  a 
dhruidh  air  m'  inntinn  tha  Sleibhte  iiile 
maiseach ;  aite  tiorail,  fasgaoh,  oomhdaichte, 
far  a  bheil  aghaidh  na  duthcha  blath  is 
cnibhneil,  agus  coslas  nan  daoine  agus  nan 
tighean  ag  innseadh  gu  bheil  iad  doigheil 
agus  comhfhurtachail.  B'e  mo  thurus-sa  do 
Shleibhte  gu'n  deachaidh  mi  a  chuideachadh 
Mhaighstir  Eos  aig  a'  chomanaohadh,  aoh  ged 
a  thug  6  orm  barraohd  searmonaohaidh  a 
dheanamh  ann  an  Gaidhlig  na  rinn  mi  bho 
chionn  iomadh  bliadhna  thug  e  fein  agus  a 
bhean  agus  a  choimhthional  dhomh  fada  fada 
barrachd  na  thug  mi  dhaibh,  agus  bidh 
ooma,naohaidh  Shleibhte  'n  a  chuimheachan 
oubhraidh  do  m'  ohridhe  fad  iomadh  latha. 

Air  feadh  na  duthcha  an  diugh  tha  la  na 
traisg  air  dol  as  ach  ann  am  fior  aite  annamh  ; 
cha  'n  'eil  ach  dha  no  tri  de  sgireachdan  an 
Siorramachd  mhor  Pheairt  far  a  bheil  e  air  a 
chumail  suas,  ach  ann  an  Sleibhte  cha  'n  e 
mhain  gu  bheil  la  na  traisg  air  a  chumail  ach 
tha  seirbhisean  air  an  gleidheadh  Di-haoine 
agvis  Di-sathuirne  agus  Di-luain  cuideachd. 
Tha  na  h-6rduighean  air  an  ardachadh,  agus 
thig  daoine  air  astar  mor  do'n  eaglais. 

Bha  aobhar  sonruichte  aca  air  tighinn  a 
mach  am  bliadhna  oir  a  thuilleadh  air  an 
t-soluimteachd  a  bhuineadh  do'n  am  vid  co 
dhiu,  bha  Moderator  na  h-eaglais  a' 
searmonachadh  air  la  na  Sabaid,  agus  bha 
iarraidh  aig  muinntir  Shleibhte  air  a' 
Mhoderator  fhaicinn  agus  a  chluinntinn,  fear 
d'an  daoine  fhein.  Thug  e  dhuinn  searmon 
a  bha  anabarrach  gasda  agus  druidhteach  ann 
am  Beurla  ;  searmon  a  chuala  righrean  agus 
prionnsachan,  ach  ciod  air  bith  a  theireadh 
daoine  eile  b'  fhearr  leani-sa  a  bhi  ag  eisdeachd 
ris  a'  Mhoderator  an  uair  a  labhair  e  rinn  an 
Gaidhlig  anns  an  fheasgar.  Labhair  e  gu 
simplidh  agus  gu  faireachdail  air  toraidhean 
a'  ghraidh  anns  an  anam  agus  anns  an  eaglais. 

Ach  ged  bvi  taitneach  learn  am  Moderator  a 
chluinntinn  agus  l^eanntan  Chuilinn 
fhaicinn,  cha  b'e  am  Moderator  na 
Blabheinn  a  rinn  an  driiidheadh  a  bu  mho  air 
mo  chridhe  ach  na  sailm  air  an  seinn  ris  na 
seann  fhuinn  leis  a'  choimhthional  Ghaidhlig, 
agus  gu  sonruichte  an  dara  salm  devig  thai 
an  tri  fichead  (17-19). 

Bidh  ainm-san  buan  gu  suthain  sior, 
Co-mhaireann  I'is  a'  ghrein  ; 
Is  annsan  beannaichear  gach  slogh ; 
Is  beannaichear  leo  e  fein. 

Beannaicht'  gu  robh  an  Tighearna  Dia, 

Dia  Israeli  a  ghnath, 

An  ti  a  mhain  ni  miorbhuile 

Le  treis  is  neart  a  laimh, 


Beannaicht'  gu  robh  gu  siorruidh  buan 
Ainm  glormhor  uasal  fein ; 
Lionadh  a  ghloir  gach  uile  thir, 
Amen,  agus  Amen  ! 

B'e  sin  an  t-salm  leis  an  do  cliriochnaich  sin 
seirbhisean  a'  chomanachaidh  agus  tha  mi  an 
diiil  nach  teid  an  ceol  tiamhaidh  agus 
neamhaidh  ud  as  mo  chuimhne  gu  brath.  Ma 
dh'  fhaodas  mi  m'  fhaireachduinnean  fein 
agus  na  smuaintean  a  thog  an  t-salm  'n  am 
chridhe  a  ghabhail  mar  fhianuis  theirinn  gu 
robh  barraohd  buannachd  spioradail  anns  an 
t-seinn  a  bha  againn  air  an  t-Sabaid  na  bha. 
ann  am  facal  air  bith  a  ohaidh  a  labhairt. 

Ma  leughas  ministearan  oga  na  h-eaglais  na 
briathran  a  tha  mise  a'  sgriobhadh  an  drasd 
tha  mi  an  dochas  gu'm  bi  iad  curamach  na 
sailm  cheart  a  thaghadh  air  .  la  a' 
chomanachaidh.  Theagamh  gu'n  saoil  cuid 
nach  'eil  feum  air  a  leithid  so  de  chomhairle, 
ach  thaohair  ministear  6g  no  dha  ormsa  do 
nach  b'  aithne  na  sailm  a  bha  freagarrach  air 
son  la  a'  chomanachaidh  na  bu  mho  na  b' 
aithne  do  bhodach  na  gealaich. 

Ach  mur  aithne  dhaibhsan  iad  is  aithne 
do'n  luohd-comanachaidh  iad  agus  bidh 
ionndrainn  'n  an  cridhe  mur  toirear 
dhaibh  iad  !  Ciod  a  theireadh  tu  ri  ministear 
a  dh'  iarradh  air  a  ohoimhthioinal  a,n  t-se  fich- 
eadamh  t-salm  a  sheinn  air  maduinn  a'  cho- 
manachaidh, gun  reason  air  bith  ach  gu  robh 
am  fad  ceart  innte,  ceithir  rannan? 

Ciod  a  b'urrainn  thu  a  radh  ach  nach  robh 
ann  ach  am  buamastair ;  duine  aig  nach  robh 
eolas  idir  air  gnaths  nan  aithrichean. 

Ann  an  Shleibhte  bha  da  phrecentor  anns  a' 
bhocsa  air  la  na  Sabaid,  guala  ri  gualainn,  a' 
togail  an  fhuinn  agus  a'  cur  a  mach  na  sreath, 
fear  mu  seach.  A  reir  mo  bheachd-sa  is  e  na 
tri  fuinn  as  fhearr  a  tha  againn,  (1)  Ballerma 
(fada  fada  air  thoiseach  air  fonn  air  bith  eile 
air  an  t-saoghal),  (2)  Kilmarnock,  (3)  Tor- 
wood.  Tha  Coleshill  maith  cuideachd,  ach 
do  m'  chluais-sa  cha'n  ann  innte  fein  a  tha  a' 
chuid  mhor  d'a  maise  ach  anns  an  t-salm  ris 
a  bheil  i  air  a  posadh  le  banntaibh  daingean 
na  cleir.      {Salm  103). 

Tha  aobhar  againn  uile  a  bhi  taingeil  do  Ni- 
maith  air  son  beannachdan  is  sonas  a  thoirt 
duinn  nach  do  thoill  sinn,  ach  tha  aobhar 
sonruichte  aig  ministear  na  Cille-moire  an 
Sleibhte  gu'n  geinneadh  e  Torwood  air  a' 
chewd  mhaduinn  de'n  h-uile  raidh  leis  na 
briathran  so, 

Cuibhrionn  mo  chup'  is  m'  oighreachd 

Dia, 
'S  tu  sheasas  dhomh  mo  chrann  : 
An  aitihh  aoibhneach  thuit  wo  lion, 
\S  learn  oighreachd  hhriagh  nach  gann, 


Air.  lO. 


1927. 


LION  BEAG  IS  BEAG. 

Tha  m&ran  nithe  agam  fathast  ri  raclh 
ribh,  ach  cha  'n  urrainn  sihh  an  giiMan  an 
trdth  so.     Eoin  xvi.   12. 

Labhair  Criosd  na  briathran  so  lis  na  h- 
abstoil  beagan  m'an  d'  fhag  e  ansaoghal.  Am 
feadh  's  a  bha  e  maille  riu  bha  iad  oho  mall- 
chridheach  's  nach  do  thuig  iad  cuid  de  na 
nithean  a  dh'  innis  e  dhaibh.  Ach  ghiulain 
le  leo  gU'  faighidinneach,  'g  am  beathachadh 
le  bainne  an  uair  nach  b'  urrainn  iad  biadh 
laidir  a  ghiulan.  Dh'  fhoillsich  e  e  f6in 
dhaibh  uigh  ar  n-uigh  a  reir  mar  b'  urrainn 
daibh  gabhail  ris  an  fhoillseachadh. 

B'e  sin  an  t-aobhar  gu'n  do  labhair  e  riu 
cho  trie  ann  an  cosrahalachdan  oir  cha  'n 
'eil  modh-teagaisg  air  bith  cho  freagarrach 
ris  na  cosmhalachdan  air  firinnean  spiora- 
dail  a  nochdadh  do  dhaoine  uigh  ar  n-uigh. 
Chi  duine  beagan  no  moran  anns  na  comh- 
alachdan  a  reir  mar  tha  solus  aige  fein,  agus 
inur  bheil  solus  no  eolas  spioradail  idir  aige 
bidh  iad  dha  'n  am  briathran  dorcha  agus 
duilich. 

Ann  an  aon  seadh  tha  na  cosmhalachdan 
oho  simplidh  's  gu'n  tuig  a'  chlann  bheag  iad, 
ach  ann  an  seadh  eile  tha  iad  cho  domhain 
's  nach  tug  duine  riamh  asda  an  lanachd 
uile  a  tha  annta.  Beagan  roimhe  so  thubh- 
airt  Criosd  ris  na  h-abstoil,  na  h-uile  nithe 
a  clniala  mi  o  in'  Athair  thug  mi  fins 
dhuihhse  orra,  ach  a  nis  tha  e  ag  radh  riu 
anns  an  dealachadh.  Tha  moran  nithe  agam. 
fathast  ri  radh  rihh.  Ach  cha'n'eil  an  da 
fhacal  so  idir  an  aghaidh  a  cheile.  Ann  an 
aon  seadh  rinn  Criosd  run-diomhair  an 
Athar  aithnichte  do'n  t-saoghal ;  thug  e 
do'n  eaglais  foillseachadh  iomlan,  ach  ann 
an  seadh  eile  cha  tuig  an  saoghal  run-diomh- 
air  an  Athar  ach  lion  beag  is  beag,  agus  cha 
ruig  an  eaglais  air  lanachd  Chriosd  gus  am 
bi  i  air  a  teagasg  leis  an  Spiorad  Naomh. 
"Treoraiohidh  e  sibh  ohum  gach  uile  fhirinn 
oir  gheibh  e  de  mo  chuid-sa  agus  nochdaidh 
e  dhuiblise  e. " 

Bha  teagasg  Chriosd  mar  gu'm  biodh  siol 
a  tha  air  a  chur  anns  an  talamh.  Fhuair 
cuid  de  'n  t-siol  cothrom  agus  dh'  fhas  e  gu 
luath,  ach  thuit  cuid  eile  dheth  ann  an  ta- 
lamh cho  fuar  's  gur  gann  a  chithear  am 
fochann  a'  tighinn  troimh  an  talamh  fhath- 
ast.  Faodaidh  siol  a  bhi  air  a^  thiodhlach- 
adh  nine  mhor  gun  a  bheatha  a  chall,  ach  an 
uair  a  gheibh  feartan  Naduir  cothrom  thig: 


fas  is  cinneas.  Is  ann  mar  sin  a  thachair  do 
theagasg  Chriosd.  Dh'  fhas  cuid  de'n  t-siol 
agus  dh'  abuioh  e  ann  an  laithean  nan 
abstol ;  dh'  fhas  cuid  eile  dheth  agus  dh' 
abuich  e  anns  gach  linn  uaith  sin,  ach  cha 
d'  fhas  e  uile  fhathast.  Tha  cuid  dheth 
tiodhlaicte,  ach  a  chionn  's  gu  bheil  an 
Spiorad  Naomh  ag  oibreachadh  anns  an  t- 
saoghal  agus  a'  treorachadh  dhaoine  a  dh' 
ionnsuidh  na  flrinn  fasaidh  an  siol  sin 
fathast  agus  bheir  na  ginealan  ura  saoibhreas 
d  lanachd  Chriosd  air  nach  do  rainig  na 
ginealan  a  dh'  fhalbh. 

Labhair  Dia  o  shean  aims  na  faidhean, 
agus  anns  na  laithean  deireannach  so  labhair 
e  tre  a  Mhac  losa  Criosd  ach  c6  a  ghabhadh 
air  fein  a  radh  gu'n  do  thuig  e  an  taisbean- 
adh  sin  'na  iomlanachd.  Thuig  na  h-abstoil 
ann  an  cuid  ach  b'  fheudar  eadhon  do  Phol 
aideachadh  nach  robh  e  ach  a'  faicinn  tre 
ghloine  gu   dorcha. 

A  thaobh  nan  nithean  a  bhuineas  do'n  t- 
saoghal  spioradail  agus  a  thaobh  eolas  Dhe 
cha'n'eil  an  saoghal  fhathast  ach  ann  an  aois 
a  leanabachd,  a'  tuigsinn  mar  leanabh  agus 
a'  reusonachadh  mar  leanabh,  ach  an  uair  a 
thig  e  gu  ire  duine  cuirear  nithean  leanabail 
air  chul.  Tha  moran  nithean  a  bhuineas 
do'n  diadhachd  air  nach  do  rainig  sinne 
fhathast  ach  bidh  iad  air  an  deanamh  soill- 
eir  do  na  linntean  a  thig  'n  ar  deidh. 

Cha'n'eil  ann  ach  amaideas  do  dhaoine  a 
bhi  an  dull  nach  'eil  adhartas  a'  tighinn  air 
an  t-saoghal  gu  spioradail  mar  tha  adhartas 
a'  tighinn  air  ann  an  cuisean  eile;  cha'n'eil 
ann  dhaibh  ach  amaideas  a  bhi  an  dull  gur 
h-iadsan  an  sluagh  coimhlionta  agus  gu'm 
basaich  gliocas  maille  riu.  Tha  na  h-aith- 
richean  deas  gu  bhi  a'  saoilsinn  nach  'eil  an 
clann  dileas  air  taobh  a'  chreidimh  agus  gu 
bheil  an  oigridh  a'  toirt  gnuis  do  bheachdan 
ura  is  neonach.  Bha  sin  a'  tachairt  bho 
thoiseach  an  t-saoghail  ach  an  uair  a  sheallas 
tu  air  t'  ais  thar  nan  linntean  nach  'eil  so 
ri  fhaicinn  gu  soilleir,  gur  e  an  oigridh  am 
bitheantas  a  bha  ceart ! 

Tha  an  Spiorad  Naomh  a'  comhnuidh  anns 
an  eaglais  an  diugh  cho  cinnteach  's  a  bha  e 
innte  ann  an  laithean  nan  abstol,  air  chor 
agus  nach  leig  e  na  diadhairean  oga  air 
seachran  na's  mo  na  leig  e  na  seann  diadh- 
airean air  seachran.  Is  e  an  t-as-creideamh 
as  miosa,  agus  am  muchadh  as  miosa  as 
urrainnear  a  dheanamh  air  an  Spiorad 
Naomh,  a  bhi  an  duil  nach  'eil  e  a'  labhairt 
rinn  an  diugh  idir ;   gu'n  do  chriociBnaich  e 


38 


fhoillseachadh  ann  an  laithean  Pheadair  no 
ann  an  laithean  Iain  Calvin  no  Iain  Knox. 
Feumaidh  a  h-uile  linn  am  mana  a  chruin- 
neachadh  air  a  son  fein,  ach  cha  chruinnich 
linn  air  bith  an  t-iomlan.  Ma  ghabhas  tu 
diadhair  anns  a'  cheud  linn,  agus  diadhair 
anns  an  deicheamh  linn,  agus  diadhair  anns 
an  ochdamh  Hnn  deug,  agus  diadhair  eile  an 
diugh,  cha  labhair  iad  mu  Chriosd  anns  an 
aon  doigh,  agus  theagamh  gu'n  saoileadh  a 
h-uile  fear  dhiubh  nach  robh  each  fallan 
anns  a'  chreideamh  no  sgriobturail  'n  an 
teaeasg.  ach  is  e  an  t-aon  Chriosd  anns  an 
robh  iad  uile  a'  creidsmn,  neach  a  tha  an 
ni  ceudna  an  de  agus  an  divigh  agus  gu 
siorruidh.  Cha'n'eil  Criosd  ag  atharrach- 
adh  ach  tha  sinne  ag  atharraohadh,  agus  cha 
'n  urrainn  do  dhuine  Criosd  fhaicinn  le 
siiilean  air  bith  ach  le  a  shuilean  fein.  Ma 
thoisicheas  e  air  speuclairean  a  sheanar  a 
chur  air  agus  cainnt  is  sniuaintean  a  sheanar 
ath-aithris  mar  gu'm  biodh  piorraid  theag- 
amh gu'n  gloraich  e  a  sheanair  ach  cha  'n 
fhaic  e  Criosd.  Bha  facal  aig  na  seann 
daoine  a  bha  anabarrach  glic,  leintean  far- 
suinn  do  na  leanaban  dga.  Is  e  a  bha  iad 
a'  ciallachadh  gu'm  fas  na  leanaban.  Tha 
Dia  a'  toirt  an  t-saoghail  air  aghaidh  ceum 
air  cheum;  cha  robh  aig  Abraham,  no  aig 
Peadar,  no  aig  naoimh  nan  ceud  linntean, 
ach  deo  beag  de'n  t-solus  spioradail  a  tha 
againne  an  diugh,  ach  lean  iad  an  solus  o 
shuas  a  bha  aca  agus  is  e  sin  bun  a'  ghnoth- 
uich  daonnan.  '\Is  e  so  an  diteadh  gu'n 
tainig  an  solus  do'n  t-saoghal  agus  gu'n  do 
ghradhaich  iad  an  dorchadas  na's  mo  na'n 
solus  a  chionn  gu  robh  an  gniomharan  olc. " 

Tha  ynoran  nitliean  again  ri  lahhairt  ribh 
ach  cha  'n  urrainn  sihh  an,  ginlun  an  froth 
so.  Tha  am  facal  so  fior  a  thaobh  freasdal 
Dhe  a  cheart  cho  cinnteach  's  a  tha  e  fior  a 
thaobh  foillseachadh  Dhe.  Aig  gach  ni  tha 
trath  agus  am  aig  gach  run  fo  neamh.  Cha 
'n  e  mhain  gu'n  dean  breitheamh  na 
talmhainn  an  ni  a  ta  ceart  ach  ni  e  e  aig  an 
am  cheart.  An  uair  a  sheallas  sinn  air  ar 
n-ais  air  na  ceumannan  anns  an  do 
threoraich  Dia  sinn  'n  a  fhreasdal  tuigidh 
sinn,  tha  mi  an  dull,  gliocas  agus  caomh- 
alachd  ar  n-Athar  air  neamh.  Dh'  fhosgail 
e  an  leabhar  dhuinn  duilleag  an  deidh 
duilleig,  mar  b'  urrainn  sinn  a  ghiulan. 

Tha  ni-eigin  ann  an  cridhe  mhic  an  duine 
a'  tha  daonnan  'ga  tharruing  gu  fiosachd 
agus  gu  ban-fhiosaichean,  ach  ged  bu  mhaith 
leis  am  brat  a  reubadh  a  tha  foluch  a  chrann- 
chur  bho  a  shuilean,  is  ni6r  a'  bheannachd  e 
nach  urrainn  dha  sin  a  dheanamh  agus  gu 
bheil  a  chrannchur  leis  gach  oamadh  a  dh' 
fhaodas  a  bhi  innte  foluichte  bho  a  shuilean. 


Is  leor  do  gach  latha  olc  no  uallach  an  latha 
sin  fein. 

Cha  tig  deuchainn  no  smachdachadh  air 
bith  oirnn  ann  am  freasdal  Dhe  mur  bi  feum 
againn  orra,  agus  cha  mho  a  chuireas  Dia 
thugainn  iad  gus  am  bi  sinn  deas  air  an  son. 
Theagamh  gu'n  saoil  sinn  gu'm  briseadh  e 
ar  cridhe  na'n  tachradh  fiosrachadh  cho 
cruaidh  oirnn  's  a  tha  sinn  a'  faicinn  ann 
an  tigh  ar  comhearsnaich  am  bliadhna,  ach 
an  uair  a  thig  a'  cheart  fhiosrachadh  'n  ar 
caramh  an  ath-bhliadhna  cha  'n  e  mhain 
nach  bris  e  ar  cridhe  ach  theid  againn  air 
a  ghiiilan  le  faighidinn.  Ullaichidh  Dia  sinn 
air  son  a  thoile  agus  cha  chuir  e  oirnn  eallach 
nach  urrainn  sinn  a  ghiulan. 

Ach  ged  tha  moran  aig  Criosd  ri  radh 
ruinn  nach  urrainn  sinn  a  ghiulan  an  trath 
so,  tha  aon  fhacal  a  tha  e  ag  radh  ruinn 
daonnan,  Lean  niise.  Tha  e  ag  iarraidh 
oirnn  gun  dail  a  chur  an  sin.  Ged  tha 
moran  nithean  anns  a'  bheatha  so  dorcha 
agus  diomhair,  agus  ged  tha  fichead  ceist  mu 
thimchioll  Dhe  agus  mu  thimchioll  Chriosd 
air  am  bu  mhaith  leinn  an  tuilleadh  soluis 
a.  bhi  againn,  tha  an  t-aon  ni  as  prionns- 
palaiche  air  fad  cho  simplidh  agus  cho  soil- 
leir  's  nach  ruig  eadhon  na  daoine  baoghalta 
a  leas  dol  air  seachran.  Cha'n  e  cion  soluis 
aoh  cion  toile  a  tha  cumail  dhaoine  gvm 
dol  a  steaoh  do  rioghaohd  neimh  ;  cha'n'eil 
iarraidh  aca  air  Criosd  a  leanntuinn.  Cha  'n 
e  aineolas  ach  gaol  a'  pheacaidh  a  tha  dalladh 
an  sul.  Aig  an  duine  as  aineolaiche  air  a' 
Bhiobull  anns  an  duthaich  so  tha  de  eolas  na 
bheireadh  a  steach  do  nfeamh  e  na'n  robh  iarr- 
aidh aige  air  a  bhi  air  a  shaoradh  bho  'n 
pheacadh  le  cumhachd  Dhe.  Cha'n'eil  de 
eolas  a  dhith  air  duine  gus  a  bhi  air  a  thear- 
nadh  a.oh  a  mhain  faireaohduin  a  bhi  aige  air 
fheum  fein  agus  earbsa  ann  an  oumhachd  agus 
ann  an  toil  Dhe. 


ANNS  A  CHOILLE  BHEITHE. 

An  la  roimhe  bha  mi  a'  bruidhinn  ri 
balach  maol  ruadh  agus  sr6n  bhiorach  air 
a  dh'  innis  dhomh  nach  toigh  leis  idir  a  bhi 
leusrhadh  sgeulaohdan  mu  na  daoine-sith. 
Agus  chuir  e  ionghnadh  mor  air  mise  a  radh 
ris  gur  e  sin  an  seorsa  sgeulachdan  as  fhearr 
learn,  agus  gu'm  bi  mi  'g  an  leughadh  a 
h-uile  cothrom  a  gheibh  mi. 

"  C  ar  son  nach  toigh  leat  iad?",  thubh- 
airt  mi  ris. 

"  A  chionn  nach  'eil  iad  fior,"  ars'  esan. 

"  Ciamar  a  tha  fhios  agad  nach  'eil  iad 
fior?",   thubhairt  roise. 


39 


Chiiir  so  stad  beag  air,  ach  bha  a  shron 
eho  biorach  's  gu  robh  fhios  agani  gu  maith 
nach  seasainn  mo  thaobh  fein  idir  ann  an 
argumaid  ris. 

Mar  sin  chuir  mi  Homer  eadar  mi  fhein 
agvis  an  gille  ruadh. 

"  Tha  Homer,"  thubhairt  mi  ris,  "  aon 
de  na  baird  as  fhearr  air  an  t-saoghal,  ag 
innseadh  mu  dhuine  a  phos  bean-shith,  agus 
mur  creid  thu  Homer  c6  a  chreideas  tu?" 

Ach  m'  an  d'  fhuair  sinn  an  tiiilleadh 
seanchais  a  dbeanamh  thainig  sinn  gu  crois 
an  rathaid  far  am  b'  fheudar  dhuinn  deal- 
achadh,  am  balach  ruadh  a'  dol  do'n  sgoil 
agus  mise  a'   dol  air  mo  ghnothuch  fein. 

Faodar  muinntir  an  t-saoghail  a  roinn  'n 
an  da  bhuidheann,  an  fheadhainn  a  tha  de 
chuideachd  Homer  agus  an  fheadhainn  a  tha 
de  chuideachd  Euclid,  no  ma  dh'  fhaodas 
mi  an  rud  a  chur  an  doigh  eile,  an  fheadh- 
ainn leis  an  toil  an  fhirinn  fhaotainn  ann 
an  sgeulachdan  agus  an  fheadhainn  leis  an 
fhearr  an  fhirinn  fhaotainn  ann  am  figearan. 
A  thaobh  nam  breug,  tha  f,a,da  barrachd  de 
na  breugan  ann  an  sgriobhaichean  Euclid 
na  gheibhear  ann  a  Homer,  no  anns  na  seann 
sgeulaichean  Gaidhealach. 

Bha  uair  a  bha  muinntir  Thiriodh  agus 
Cholla  agus  Mhuile  eolach  gvi  leoir  air 
daoine-sith ;  bu  ghasda  leo  a  bhi  ag  eis- 
cleachd  ri  sgeulachdan  umpa,  agus  anns  na 
laithean  sin  bha  iad  uile  'n  an  daoine  firin- 
neach.  Ach  dh'  fhalbh  na  laithean  sin ;  an 
diugh  cha'n'eil  duine  anns  na  tri  eileanan 
d'  an  aithne  Homeii  ged  tha  gu  leoir  annta 
a  bhios  a'  leughadh  Euclid  agus  an  Daily 
Mail.  Agus  tha  a  bhuil ;  tha  na  breugan 
cho  fasanta  ann  an  Colla  an  diugh  's  a  tha 
iad  ann  am  margadh  an  t-salainn. 

Cha  ghabh  na  daoine-sith  aoigheachd  ach 
o  dhaoine  a  tha  creidsinn  annta  agus  aig  a 
bheil  baigh  riu.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d' 
fhag  iad  Colla  agus  Muile  agus  Tiriodh  agus 
gu'n  deaohaidh  iad  slog  gu  eileannan  iomall- 
aoh  na  Pacific. 

An  uair  a  thainig  an  creideamh  Crios- 
duidh  do'n  duthaich  so  an  toiseach  cha  b' 
aithne  d'  ar  n-aithrichean  Euclid ;  ach  b' 
aithne  dhaibh  cainnt  nan  eun  agus  coslas 
dhaoine-sith  agus  na  ceudan  rud  neonach  de 
'n  t-seorsa  siri.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d' 
innis  iad  na.  naigheachdan  iongantach  agus 
na  naigheachdan  boidheach  a  dh'  innis  iad 
mu  Chalumcille,  agus  mu  Bhrianan,  agus  mu 
na  naoimh  eile,  naigheachdan  a  tha  a  oheart 
cho  fior  ri   dad  a  g-heibhear  ann   an  Euclid. 


B'    ann   de  theaghlach   Homer   a    bha    am 
boirionnach    caomh    a    dh'    innis    an    naisfh- 


eachd  so  an  toiseach,  Laura  Richards ;  naigh- 
eachd  mu  naomh  aig  nach  robh  fhios  gu'm  bu 
naomh  a  bha  ann  fein  idir. 

"Bho  chionn  fhada  bha  duine  ann  a  bha 
an  diiil  nach  robh  anns  a  h-uile  duine  air 
an  t-saoghal  ach  peacaich  aingidh,  agus  gu 
robh  e  fein  cho  dona  ri  each.  Bha  e  a'  fuir- 
each  ri  taobh  an  rathaid  agus  bhiodh  e  ag 
radh  nach  robh  'na  bheatha  ach  uallach  dha 
leis  na  bha  de  dhaoine  a,'  our  dragh  air  anns 
an  dol  seachad,  daoine  a  bhiodh  ag  iarraidh 
deirce. 

Thainig  duine  mor  laidir  a  dh'  ionnsuidh 
an   doruis  aon  la,  ag  iarraidh  crioman  arain. 

"  Bu  choir  naire  a  bhi  ort,"  ars'  an  duine 
ris,  do  leithid-sa  de  dhuine  laidir  a  bhi  baig- 
earachd !" 

Ach  thug  e  do'n  duine  a  dhinneir  is  dh' 
fhag  e  e  fein  falamh. 

La  eile  thainig  seana  bhean  a  dh'  ionn- 
suidh an  doruis  agus  eallach  cho  trom  air 
a  druim  's  nach  mor  gu'n  rachadh  aice  air 
coiseachd. 

"  Moi  naire  ort,"  ars'  an  duine;  bu  choir 
dhuit  do  thigh  is  do  theallach  a  chumail 
seach  a  bhi  siubhal  o  dhorus  gu  doirus  mar 
so. " 

Ach  thug  e  an  t-eallach  bharr  a  droma  is 
gihiulain  e  dhachaidh  dhi  e. 

Uair  eile  thainig  paisde  a  chaill  a  rathad 
a  dh'  ionnsuidh  an  doruis  aige. 

"An  toir  sibh  dhachaidh  mi,"  ars'  am 
paisde. 

"Car  son  a  bheirinn-sa  dhachaidh  thu; 
cha  robh  coir  air  bith  agad  tighinn  a  mach  ; 
o'aite  a  bheil  thu  a'   fuireach?" 

"  Miltean  is  miltean  bhuaith  so,"  fhreag- 
air  am  paisde;  ach  giulainibh-sa  mi  agus 
mi  sgith. 

"  An  cuala  mi  riamh  leanabh  eile  cho 
miomhail,'^'  ars'  an  duine;  "  na  biodh  de 
bhathais  agad  an  corr  a  radh  rium." 

Ach  chuir  e  a  chota  fein  timohioll  air  an 
leanabh  (oir  b'e  an  geamhradh  a  bha  ann) 
is  chaidh  e  troimh  an  t-sneachd  agus  e  'g  a 
ghiulan  'na  ghairdeanan  gus  an  do  liubhair 
e  gu  sabhailte  d'a  pharantan  e. 

B'e  sin  a  dhoigh  anns  gach  rud  eile  gus 
an  tug  an  duthaich  uile  an  t-ainm  so  dha, 
Alasdair  gruamach. 

An  uair  a  shiubhail  e  chaidh  Alasdair 
gruamach  do  neamh,  aite  anns  nach  robh  e 
riamh  a'  creidsinn.  B'e  a'  cheud  neach  a 
thachair  air  ann  an  neamh  Aingeal  aig  an 
robh  cearcal  gloire  air  dhath  an  oir  m'a 
ceann  agus  badan  lilidhean  'n  a  laimh. 

"  Do  bheatha  do  neamh,  a  dhuine  chaoimh, 
ars'  an  Aingeal,  bha  fiughair  againn  riut  is 
chuireadh  mise  'n  ad  chomhdhail  gus  do 
thoirt  a  dh'  ionnsuidh  na  cuirme  a  tha  air 
a  h-ullachadh  air  do  shon." 


40 


"Uist;  uist,  ars'  an  duine;  tha  thu  a' 
deanamh  mearachd ;  cha  'n  aithn©  dhomhsa 
ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh ;  cha  toigh  learn 
do  dhoigh  iollagach ;  gu  de  an  t-aite  a  tha 
an  so?" 

"  Tha,  nfeamh,"  ars'  an  Aingeal. 

"  Uist  d©  do  ghloramas,"  ars'  an  duine, 
"agus  de  chainnt  gun  chiall ;  cha'n'eil  mis©  a' 
creidsinn  ann  an  neamh. " 

"  Co  dhiu  a  tha  no  nach  'eil,"  ars'  an  Ain- 
geal, "tha  thu  ann,  agus  is  e  sin  bun  a' 
ghnothuich." 

"  Agus  CO  thu  fein  "  ars'  esan  ris  an 
Aingeal,  "  tha  mar  gu'm  biodh  aithn©  gun 
chuimhne  agam  ort." 

"  Is  mise,"  ars'  an  Aingeal,  "  a.n  t-seana 
l)hean  ris  an  do  throid  thu  ach  ris  an  robh 
thu  cho  laghach  cuid©achd.  Ach  tiugainn, 
tha  each  a'  feitheamh  ruinn,  an  aireamh 
mhor  de  dhaoine  d'  an  do  nochd  thu  coibh- 
neas  is  baigh  air  thalamh." 

"  Cha'n'eil  mi  a'  tuigsinn  aon  fhacal  de 
na  tha  thu  ag  radh,"  ars'  an  duine,  "aoh  ma 
tha  agam  ri  dol  leat,  cuir  dhiot  an  cearcall 
sin  a  tha  air  do  cheann  air  neo  bidh  tu  'n 
ad  bhall-magaidh." 

Rinn  an  Aingeal  gaire  beag ;  rug  i  air 
laimh  air  agus  tharruing  i  e  gu  lochan  ciuin 
a  bha  taobh  an  rathaid,  agus  dh'  iarr  i  air 
sealltuinn  anns  an  lochan. 

An  uair  a  sheall  e  anns  an  lochan  ciod  a 
chunnaic  e  ach  iomhaigh  dithis  anns  an 
uisge,  air  an  sgeadachadh  ann  an  aodach 
geal  agus  cearcall  air  dhath  an  oir  m'  an 
ceann. 

"  A  Righ  beannaich  mi,"    ars'   an  duine, 

agus  e  a'  cur  siias  a,laimhe  air  a  oheann,  "tha 

fear  de  na  riidan  neonach  sin  air  mo  cheann 

fhein  cuideachd.      Rud  gun  chiall  ;  an  cualas 

riamh  a  leithid." 

****** 

Na'n  robh  naigheachd  de  'n  t-seorsa  so  ri 
innseadh  aig  na  daoine  a  bhios  a'  deanamh 
nan  sean-fhacal  chuireadh  iad  i  ann  am 
beagan  fhacal;  theireadh  iad  gu  b-heilan 
uaisle  mar  a  chumar  i,  air  neo  theireadh  iad 
nach  robh  greim  Alasdair  Ghruamaich  cho 
dona  ri  chomhart,  air  neo  gu  robh  cridhe 
min  fo  chraicionn  carrach,  no  gu  robh 
fhacal  na  b'  fhuaire  na  chridhe. 

Ach  na'n  robh  an  naigheachd  so  aig  Euclid 
ri  innseadh  dh'  innseadh  e  i  gun  iomradh  a- 
thoirt  air  Aingeal  no  bean  no  paisde, — rach- 
adh  e  rithe  'n  a  dhoigh  mhaol  thioram  fein, 
agus  an  uair  a  dh'  innseadh  e  i  gun  anail 
a,  tharruing  chuireadh  e  aig  a  deireadh, 

Q.  E.  D. 
****** 

Ann  an  naigheachd  a  bha  air  a  sgriobhadh 
le  L.  P.  lacks,  leabhar  d'  an  tug  e  fhein  ainm 


©ile  ach  d'  an  toir  mise  an  t-ainm  Feallsan- 
aich  air  an  Lair  Mhaide  tha  e  ag  innseadii 
mu  dhuin©  a  rannsaich  an  saoghal  uile  ag 
iarraidh  run-diomhair  a'  chreidimh  Chrios- 
duidh  agus  a  fhuair  mu  dheireadh  e  ann  an 
aon  de  na  oosmhalachdan,  an  cosmhalachd 
anns  a  bheil  Criosd  ag  innseadh  mu  na 
daoine  a  bha  air  an  lionadh  le  ionghnadh  an 
uair  a  chual  iad  gu'n  do  rinn  iadsan  seirbhis 
do  Chriosd.  1 

A  TUighearna,  c'ldn  a  chunnaic  sinn 
acrach  thu  agus  a  hheathaich  sinn  thu  ? ;  no 
tartmhor  agus  a  thug  sinn  cleoch  duiti  No 
c'uifi  a  chunnaic  sinn  ad  choigreach  thu  agus 
a  thug  sinn  aoigheachd  dhuiti  no  lomnochd 
agus  a  dh'  eudaich  sinn  thul  No  cuin 
a  chunnaic  sinn  euslan  thu,  no  am  prlosan 
agus  a  thdinig  sinn  ad  ionnsuidh. 

Agus  freagraidh  an  Righ  agus  their  e  riu,        ^j 
Gu  deimhin  a  ta  mi  ag  radh  rihh,  A  mheud        t' 
's  gu'n  do  rinn  sihh  e  do  aon  de  na  hrdifli- 
rihh  as  lugha  agamsa,  rinn  stbh  dhomhsa  e. 

Bidh  e  'n  a  ionghnadh  gu  brath  do  na 
naoimh  gu'n  do  chunntadh  airidh  iad.  Tha 
irioslachd  agus  naomhachd  daonnan  a' 
tjjogadh  beul  ri  beul.  Is  e  na  naoimh  as 
fhearr  an  fheadhainn  aig  nach  'eil  fios  no 
faireachduinn  air  bith  gu  bheil  oeareall  air 
an  cinn.  An  uair  a  thoisicheas  daoine  aii- 
a  bhi  mothachail  air  an  gniomharan  maithe 
fein  tha  am  maitheas  a'  dol  as  an  t-sealladh 
mar  eu'm  biodh  ceo  na  maidne. 


CLE  ANN  NA  H-IRIOSLACHD. 

Fhuair  mi  air  an  t-seachduin  so  leabhar 
beag  de  Dhain  Spioradail  a  tha  air  a  chur 
a  mach  1©  Alasdair  Mac  Labhruinn  agus  a 
Mhio:,  an  Glaschu.  Bha  na  laoidhean  air 
an  deanamh  le  Seonaid  Nic  Mhathain  anns 
an  eilein  Sgitheanach,  agus  bha  obair  a'  chlo 
air  a  dheanamh  fo  laimh  Eachainn  Mhic 
Dhughaill,  urrainn  mhaith  gu  leoir  gu  bheil 
litreachadh  na  Gaidhlig  air  a  dheanamh  cho 
ceart  's  a  ghabhas  sin  deanamh.  Bu  mhaith 
leam  an  leabhar  beag  so  nach  'eil  a'  cosd  ach 
tasdan  a  mholadh  air  an  duilleig  so,  a  chionn 
gu'n  gabh  na  laoidhean  a  tha  ann  seinn. 
Ged  nach  d'  fhuair  mi  ach  suil  a  thoirt  air 
(hachair  rud  no  dha  rium  ann  a  chord  rium. 

'N  am  eirigh  anns  a'  mhaduinn  dhomh 
"  'S  a  chluinneas  mi  na  h-eoin 
Is  iad  a'  seinn  's  ag  ceilearadh 
'S  an  ceol  dol  suas  gu  Gloir 
Cuiridh   iad  fo  smuaintean  mi 
Le  luasgan  a  bhios  mdr 
A  chum  gu'n  teid  mo  th©udan-sa 
Air  ghleus  do  Righ  na  Gloir. 


Air.    11. 


1927. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

[Tha  cuid  cle  na  bhios  a'  leughadh  na 
duilleig  so  aig  a  bheil  cuimhne  air  an  duine 
chaomh,  an  t-Ollamh  R.  Blair  nach  maireann, 
an  searmonaiche  Gaidhlig  a  b'  fhearr  a  bha 
ann  an  eaglais  na  h-Alba  'na  latha.  Cha 
chuala  mise  an  Dotair  a'  searmonachadh  an 
Gaidhlig  ach  da  uair  uile  gu  leir  ged  a  chuala 
mi  e  trie  gu  leoir  am  Beurla.  Ach  ged  nach 
robh  mi  ach  'n  am  bhalach  6g  an  uair  a  chuala 
mi  e  an  da  uair  ud  fhein  tha  cuimhne  agam 
gu  maith  fhathast  air  na  cinn-theagaisg  a  bha 
aige.  An  la  roimhe  dh'  fhoighnich  mi  de'n 
bhantraich  aige  am  b'  urrainn  i  an  da  shear- 
men sin  fhaotainn  los  gu'n  cuirinn  a  mach 
iad  air  an  duilleig  so  a  chum  's  gu'm  faigh- 
eadh  daoine  ris  an  do  chord  iad  an  uair  a 
chual  iad  iad  an  toiseach  cothrom  air  an 
leughadh  a  ris.  Tha  mi  duilich  nach  b' 
urrainn  i  gin  dhiubh  sud  fhaotainn  dhomh, 
ach  thug  i  dhomh  gu  toileach  agus  le  a  bean- 
nachd  an  searmon  so  a  lean  as.  Sgriobh  e  an 
searmon  an  uair  a  bha  e  anns  an  Tairbeart.  ] 

Ni  h-eadh,  a  ta  mi  ag  rddli  rihh  :  ach  mur 
dean  sihhse  aithreachas,  sgriosar  sibh  uile 
mar  an  ceudna. —hxicsis  xiii.  3. 

Cha'n'eil  teagamh  agam,  a'  cheud  uair  a 
leugh  sibh  na  briathran  so,  nach  robh  sibh 
ag  radh  ribh  fein  gu'm  bu  chainnt  chruaidh 
agus  neo-iochdmhor  a  bha  annta.  Aith- 
reachas neo  sgrios !  Ach  cha  chainnt 
chruaidh  a  tha  annta  idir  ach  cainnt  agus 
guth  a'  ghraidh.  Oir  c6  na  bilean  a  labhair 
iad?  Nach  e  na  bilean  sin  nach  do  labhair 
dad  cearr  riamh";  bilean  an  ti  sin  aig  an  robh 
a  thlachd  maille  ri  cloinn  nan  daoine  ! — an 
ti  sin  a  ghradhaich  iad  cho  mor  's  gu'n  do 
leag  e  sios  an  am  air  an  son. 

Anns  na  briathran  so  tha  e  a'  toirt  rabhaidh 
do  dhaoine  ann  an  gradh  mar  a  bheir  athair 
rabhadh  d'a  chloinn  an  uair  a  chi  e  iad  an 
cunnart.  Na'm  faiceadh  athair  a  leanabh  a' 
dol  a  mach  air  an  eigh  air  lochan  reota  agus 
fhios  aige  nach  robh  an  eigh  laidir  gu  leoir 
gus  a  ghiidan  nach  glaodhadh  e  ris  gu  geur 
agus  gu  grad  tilleadh  air  ais !  Ach  ged 
bhiodh  samhladh  corruich  ann  an  guth  an 
athar  c6  a  theireadh  nach  robh  gaol  aige  air 
a  leanabh  ?  Is  ann  mar  so  a  tha  Criosd  a' 
labhairt  ri  peacaich  ann  am  briathran 
steidh  mo  theagaisg.  Bha  a  chridhe 
coibhneil  carthannach  a'  lasadh  le  gradh 
dhaibh  an  uair  a  thug  e  an  rabhadh  so 
dhaibh. 

Ann  a  bhi  labhairt  air  na  briathran  so 
beachdaicheamaid  an  toiseach  air  a'  cheist 
so,  Ciod  e   aithreachas?;    anns   an    at'^    kite 


beachdaicheamaid  air  a'  cheist.  Car  son  a  tha 
aithreachas  feumail ;  agus  anns  an  aite  mu 
dheireadh,  seallamaid  air  a'  mhisnich  a  tha 
air  a  thoirt  dhuinn  gu  aithreachas  a  dheanamh. 
I.  Ciod  e  aithreachasi  Tha  e  feumail 
gu'm  bitheamaid  a'  freagairt  na  ceiste  so 
agus  a'  tuigsinn  a  brigh,  oir  tha  aithreachas 
mar  aon  de  chlacha-steidhe  a'  chreidimh 
Chriosduidh  ;  tha  e  gu  minic  air  ainmeachadh 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh.  Ciod  a  shear- 
monaich  am  faidh  mor  a  thainig  a  dheanamh 
direach  slighe  an  Tighearna,  Eoin  a'  Bhais- 
tidh?  Nach  b'e  so,  '' Deanaibh  aithreachas 
oir  tha  rioghachd  Dhe  am  fagus."  Agus  nach 
b'e  aithreachas  brigh  an  teagaisg  a  thug  ar 
Slanuighear  beannaichte  seachad  mar  an 
ceudna  !  "  Thainig  mise  a  ghairm,  cha  'n  e 
nam  firean  ach  nam  peacach  a  chum  aith- 
reachais. "  Nach  b'  ann  mu  aithreachas 
cuideachd  a  labhair  Peadar  anns  a'  cheud 
shearmon  a  shearmonaich  e  an  deidh  dha  a 
bhi  air  a  lionadh  le  Spiorad  an  Tighearna  air 
la  na  Caingis  :  "  Deanaibh  aithreachas,"  ars' 
esan,  "  agus  bithibh  air  bhur  baisteadh  gach 
aon  agaibh  ann  an  ainm  losa  Criosd  chum 
maitheanas  pheacanna  agus  gheibh  sibh 
tiodhlac  an  Spioraid  Naoimh."  Bha  an  tea- 
gasg  so  air  a  shearmonachadh  leis  na 
h-abstoil  uile  anns  an  linn  anns  an  robh  iad 
beo  agus  tha  an  teagasg  so  a  cheart  cho 
feumail  anns  an  linn  againne. 

Cha'n'eil  neach  ann  am  eisdeachd  nach  tuig 
ciod  a  tha  air  a  chiallachadh  le  aithreachas 
ann  an  gnothuichean  cumanta  an  t-saoghail. 
Na'n  abrainn  gu  robh  aithreachas  orm  an  ni 
ud  no  an  ni  ud  eile  a  dheanamh  cha'n'eil 
neach  air  bith  nach  tuigeadh  ciod  a  bha  mi 
a'  ciallachadh ;  thuigeadh  iad  gu  robh  mi 
duilich  air  son  a  dheanamh.  Ach  thugaibh 
fanear  gu  bheil  moran  barrachd  agus  sin  air 
fhilleadh  a  steach  anns  an  fhacal  aithreachas 
mar  tha  e  air  a  ghnathachadh  anns  an 
Sgriobtur.  Tha  e  air  fhilleadh  a  steach  ann 
gu  bheil  geur-mhothachadh  aig  an  aith- 
reachan  air  peacadh  ;  tha  e  a'  faicinn  a  staid 
chaillte  a  thaobh  naduir  ;  tha  e  a'  faicinn  eru'n 
do  bhris  e  lagh  ceart  agus  cothromach  leho- 
bhah  ;  tha  e  mothachail  gur  e  a  pheacanna-sa 
a  chuir  Criosd  gu  naire  a'  chroinn-cheusaidh. 
Is  e  cainnt  a  chridhe,  "  A'd'  aghaidh,  a'd 
aghaidh  fein  a  mhain  pheacaich  mi  agus  rinn 
mi  olc  a'd'  shealladh."  An  uair  a  tha  an 
geur-mhothachadh  so  air  oibreachadh  ann  an 
anam  a'  pheacaich  le  spiorad  an  Tighearna, 
is  e  sin  a'  cheud  cheum  gu  fior  aithreachas. 
Agus  is  6  an  ath  cheum  sealladh  ceart  asrus 
tuigseach  air  maitheas  Dhe  ann  an  losa 
Criosd,  oir  an  uair  a  tha  am  peacach  air  a 


42 


dhiisgadh  gu  a  staid  chaillte  fhaieinn ;  an 
uair  a  tha  e  tuigsinn  nach  'eil  e  a'  toilltinn 
aon  ni  aig  laimh  Dhe  ach  fearg  agus  corruich ; 
an  uair  a  smaointicheas  e  air  a'  ghradh  a  thug 
Dia  do  shaoghal  caillt©  ann  a  bhi  cur  aon- 
ghin  mhic  a  shireadh  agus  a  thearnadh 
pheacach;  an  uair  a  chi  e  corruich  ceartais 
Dhe  a  thoill  e  air  a  dhortadh  a  maeh  airsan 
a  sheas  ann  an  aite  nan  ciontach, — tha  e  air 
a  llonadh  le  fuath  do'n  ni  ghraineil  sin  a  thug 
a  leithid  de  pheanas  dhasan  a  bha  naomh 
agus  iomlan  agus  dealaichte  o  pheacadh.  Is 
e  so  am  bron  diadhaidh  a  dh'  oibricheas  aith- 
reachas  a  chum  slainte  de  nach  gabhar  aith- 
reachas,  agus  is  ©  am  bron  so  an  treas  ceum 
ann  am  fior  aithreachas.  An  uair  a  ruigeas 
an  t-anam  an  ceum  so  tha  e  a'  cur  ciil,  cha'n 
ann  ri  aon  pheacadh  no  ri  aon  droch  cleach- 
dadh  ach  risgach  uile  ni  nach 'eil  a  reir  lagha 
Dhe,  Is  e  cainnt  a  chridhe  a  nis,  "  Trid  do 
reachdan  fhuair  mi  tuigse :  uime  sin  is 
fuathach  leam  gach  slighe  bhreugach."  Dh' 
oidhirpich  mi  mar  so  a  leigeil  ris  duibh  ciod 
a  tha  air  a  chiallachadh  le  aithreachas.  Ach 
a  nis,  a  chair  dean,  ceadaichibh  dhomh  m'an 
teid  mi  na's  fhaide  a  sparradh  oirbh  le 
durachd  sibh  a  rannsachadh  'ur  cridheachan 
a  dh'  fheuchainn  a  bheil  an  t-aithreachas  so 
agaibh-se.  O,  feuchaibh  nach  dean  sibh  mear- 
achd  mu  thimchioU  na  ni  so.  Tha  daoine  deas 
gu  bhi  a'  saoilsinn  gu  bheil  iad  aithreach- 
ail  do  bhrigh  gu  bheil  iad  duilich  air  son  ni- 
eigin  a  rinn  iad.  Ach  faodaidh  neach  a  bhi 
bronach  gun  aithreachas  a  dheanamh.  Bha 
Cain  agus  ludas  bronach  ach  an  do  rinn  iad 
fior  aithreachas?  Tha  eadar-dhealachadh 
eadar  am  bron  diadhaidh  a  dh'  oibricheas 
slainte  agus  doilghios  an  t-saoghail  a  dh' 
oibricheas  bas. 

Faodaidh  mar  an  ceudna  neach  a  bhi  air 
a  dhusgadh  agus  gun  aithreachas  a  dheanamh. 
Bha  Felics  air  a  dhusgadh  an  uair  a  reuson- 
aich  Pol  mu  fhireantachd  agus  mu  stuaim 
agus  mu  bhreitheanas  ri  teachd,  ach  cha  do 
rinn  e  aithreachas.  Thoiribh  an  aire,  mata, 
tha  mi  a'  guidhe  oirbh,  nach  bi  sibh  a'  cur 
bron  no  dusgadh  ann  an  aite  aithreachais. 

II.  Ach  gu  dol  air  'ar  n-aghaidh  gus  an 
dara  ceann,  Car  son  a  tha  aithreachas 
feumaill  Cha'n  ann  a  mhain  do  pheacaich 
uamhasach  a  tha  aithreachas  feumail  ach  do'n 
h-uile  aon  de  shliochd  Adhaimh.  Tha  e  cho 
feumail  do'n  neach  as  airde  anns  an  riogh- 
achd  's  a  tha  e  do'n  neach  as  isle;  do'n  fheall- 
sanach  cho  mhaith  ris  an  neach  a  tha  gun 
fhoghlum.  Tha  aithreachas  feumail  do 
bhrigh  nach  'eil  maitheanas  peacaidh  ri 
fhaotainn  as  eugmhais.  Cha'n'eil  mi  ag  radh 
gu'n  glan  de6ir  an  aithreachain  air  falbh 
peacadh.  Cha  ghlan  oir  cha'n'eil  ni  ani  sin 
ach  fuil  luachmhor  Chriosd.  Tha  an 
Tighearna  a  ghnath    deas  gu    maitheanas   a 


thoirt  do'n  pheacach,  ach  is  maith  leis  gu'n 
toir  e  fuath  do'n  pheacadh  agus  gu'n  iarr  e 
a  threigsinn. 

Tha  aithreachas  feumail  do  bhrigh  gu'ui 
feum  an  t-uUachadh  a  tha  freagarrach  air 
son  neimh  a  bhi  air  a  dheanamh  anns  an 
t-saoghal  so,  oir  cha'n'eil  atharrachadh  a' 
tighinn  air  duine  air  an  taobh  thall  de'n 
uaigh.  Thubhairt  diadhair  araidh  mu  thim- 
chioU an  ni  so,  "  Ged  bhitheadh  e  comasach 
do  dhuine  neo-iomchuidh  dol  do  neamh  cha 
bhitheadh  e  toilichte  ann  agus  leumadh  e  a 
mach  thar  ballachan  neimh  oir  bhitheadh 
seirbhis  neimh  'n  a  h-uallach  dha."  Gus 
coslas  cumanta  a  ghnathachadh,  bhiodh 
peacach  neo-iompaichte  ann  an  neamh  mar 
iasg  as  an  uisge,  no  mar  eun  air  a  dhunadh 
a  suas  ann  an  eunadan.  Cha'n  fhaigheadh 
e  ana-miannan  bruideil  a  shasuchadh,  no  a 
ruintean  mi-naomh  a  choimhlionadh,  agus 
air  an  aobhar  sin  bhitheadh  e  mi-shona.  Cha 
bhiodh  call  aige  do  shonas  neimh ;  cha  b' 
urrainn  dha  seinn  maille  ris  a'  mhuinntir 
shaorta  oran  Mhaois  agus  an  Uain. 

0,  a  chairdean,  tha  mi  a'  guidhe  oirbh  as 
uchd    Chriosd    na    nithe    so    a    ghabhail    gu 
cridhe;  smaointichibh  agus  beachdaichibh  air 
am  brigh,  a  chum  's  gu'm  faic  sibh  'ur  feum 
air  aithreachas.     0,  feuchaibh  nach  meallar 
sibh ;  tha  sibh  a'  tighinn  beo  ann  an  saoghal 
a  tha  Ian  de  cheilg.     Ruigidh  daoine  nfeamh 
gun  storas,    gun  fhoghlum,  gun   fhabhar  an 
t-saoghail,  ach  cha  ruig  iad  n^amh   as  eug-        I 
mhais    "  aithreachais    a    thaobh    Dh6     agus        % 
creideamh     a     thaobh     an     Tighearna     losa 
Criosd. "     0,  feuchaibh  nach  meallar  sibh  le 
neach  air  bith  a  tha  ag  radh  sith  sith  an  uair       ^ 
nach  'eil  sith  ann.       'Tha  Dia  'n  a  Dhia  tro-       11 
caireach  ach   tha  e  'n  a  Dhia  oeart  mar  an         ' 
ceudna,  agus  do    bhrigh   gu   bheil    cha   t6id 
peacach  gu  brath  as  gun  pheanas  mur  dean  e 
aithreachas    agus     mur    creid    e     anns    an 
Tighearna  losa  Criosd.     0,   mata,   deanaibh 
aithreachas  am  feadh  's  a  tha  Dia  a'  feith- 
eamh  gu  bhi  grasmhor,  am  feadh  's  a  tha  e  ag 
eigheach     ribh,     "  Seallaibh     rium-sa      agus 
bithibh  air  'ur  tearnadh  oir  is  mise  Dia  agus 
cha'n'eil  atharrachadh  ann." 

III.  A  nis  anns  an  treas  aite  bithidh  sinn 
a'  labhairt  air  a'  mhisnich  sin  a  tha  air  a 
thoirt  duinn  gu  aithreachas  a  dheahamh.  Tha 
e  'na  ni  cruaidh  do  dhuine  na  cleachdannan 
a  bha  aige  a  threigsinn,  peacanna  d'an  tug 
e  gradh  mar  a  lamh  no  shuil.  A  thuilleadh 
air  sin  ni  namhaid  anama  gach  ni  as  urrainn 
e  gus  am  peacach  a  chumail  fo  dhaorsa.  Tha 
ni  eile  ann  a  tha  cumail  moran  air  an  ais,  gu 
sonraichte  muinntir  os,  eagal  gu'm  bi  an 
companaich  a'  focho.id  orra.  Tha  na  h- 
aobhair  so  agus  ioraad  rud  eile  a'  cur  bacaidh 
air  m6ran  dhaoine  aithreachas  a  dheanamh,  j 
ach  bu  m,haith  leam  na   h-aobhair-mhisnich       f 


43 


a  tha  againn  gu  aithreachas  a  dheananih  a 
thoirt  fa'r  comhair. 

Is  e  a'  cheud  aobhar  a  dh'  ainmicheavS  mi 
gu  bheil  Slanuighear  glormhor  trocaireach 
againn,  eadhon  an  Tighearna  losa  Criosd. 
Tha  mi  ag  ainmeachadh  so  an  toiseach  do 
bhrigh  agus  giir  e  so  a'  mhisneach  as  mo  as 
urrainn  a  bhi  againn,  gu  bheil  a  leithid  de 
Shlanuighear  air  ullachadh.  Ma  tha  anam 
air  bith  a  lathair  an  diugh  a  tha  an  iomcheist 
theirinn  ris,  Seall  air  Criosd,  neach  a  tha 
comasach  air  tearnadh  gus  a'  chuid  is  fhaide 
a  mach.  Tha  an  neach  so  an  diugh  ag  eigh- 
each,  "  Thigibh  a'm'  ionnsuidh-sa  sibhs©  uile 
a  tha  ri  saothair  agus  fo  throm  uallach  agus 
bheir  mise  suaimhneas  dhuibh. "  Is  ann  mu'n 
t-SIanuighear  ghlormhor  so  a  tha  e  sgriobhta 
gu'n  tug  e  cumhachd  do'n  mheud  agus  a 
ghabh  ris  a  bhi  'n  an  cloinn  do  Dhia,  eadhon 
dhaibhsan  a  chreid  .'n  a  ainm.  0,  a  chair- 
dean,  ma  tha  iomguin  anama  oirbh,  seall- 
aibh  ri  Criosd  agus  na  cviiribh  teagamh  ann 
na's  fhaide,  oir  bheir  esan  a  spiorad  dhuibh 
ma  dh'  iarras  sibh  e. 

Eisdibh  ris  na  geallaidhean  glormhor  a  tha 
ann  am  facal  Dhe :  "  c6  air  bith  a  dh' 
aidicheas  agus  a  threigeas  a  pheacanna 
gheibh  e  trocair. "  "0  Israel,  sgrios  thusa 
thu  fein  ach  annam-sa  tha  do  chabhair. " 
"  Mar  is  beo  mi,"  deir  an  Tighearna,  "  cha 
'n  'eil  tlachd  agam  ann  am  bas  an  aingidh." 
"  Tha  aoibhneas  air  neamh  air  son  aon 
pheacach  a  ni  aithreachas." 

Cha'n'eil  an  sin  ach  beagan  de  na  geall- 
aidhean a  tha  'n  an  aobhair-mhisnich  do 
aithreachain.  Ach  0,  nach  leoir  iad,  a 
chair  dean,  gus  misneach  a  thoirt  duinn 
pilleadh  ris  an  Tighearna !  Ma  philleas 
sibhse  le  aithreachas  a  dh'  ionnsuidh  Dhe 
gabhaidh  esan  ribh  a  cheart  cho  cinnteach 
's  a  ghabh  an  t-athair  caomh  ri  mhac  a  bha 
eas-umhail  agus  a  cEaidh  air  falbh  do'n 
duthaich  chein. 

Dh'  fhaodainn  stad  aig  a  so,  oir  tha  a' 
mhisneach  so  f4in  laidir  gu  leoir,  ach  cead- 
aichibh  dhomh  eisiomplair  no  dha  a  thoirt 
far  comhair  bho  eachdraidh  a'  Bhiobuill, 
Daibhidh  agus  Peadar,  daoine  a  bha  cion- 
tach  de  pheacaidhean  uamhasach  ach  a 
fhuair  maitheanas  an  uair  a  rinn  iad  aith- 
reachas. Car  son  a  chaidh  eachdraidh  ion- 
gantach  nan  daoine  sin  a  sgriobhadh  ach  a 
chum  misneach  a  thoirt  do  pheacaich  eile? 

0,  a  charaid,  smaointich  air  do  chunnart 
mur  tr^ig  thu  do  pheacadh, — sgriosar  thu. 
Thoir  an  aire  nach  e  so  briathran  duine  :  is 
e  Criosd  fein  a  thubhairt  "mar  dean  sibhse 
aithreachas  sgriosar  sibh  uile  mar  an 
ceudna,"  agus  thubhairt  e  iad  ann  an  coibh- 
neas.  Falbh,  tha  mi  ag  radh  riut,  agus 
glaoidh  air  an  Tighearn  losa  an  diugh-fein  ; 
iraich   agus  d^irt  do  chridhe    a    mach     'n    a 


lathair ;  innis  dha  do  staid  agus  ciod  a  tha 
dhith  ort,  agus  eisdidh  esan  riut.  Bheir  e 
dhuit  a  ghras  agus  saoraidh  e  t'  anam. 


ANNS  A  CHOILLE  BHEITHE. 

Bu  mhaith  learn  air  an  duilleig  so  maith- 
eanas iarraidh  air  creutairean  laghach  na 
Coille  air  son  facal  gun  tiir  a  dh'  uisnich  mi 
an  la  roimhe  an  uair  a  bha  mi  a'  sgriobhadh 
crioman  Gaidhlig.  Bha  mi  a'  bruidhinn  air 
droch  dhuine  agus  gun  mo  bhriathran  a 
thaghadh  mar  bu  choir  dhomh  thubhairt  mi 
gu'm  bu  duine  hriiideil  e.  Coltach  ris  an 
t-Salmadair  labhair  mi  a'm'  chabhaig,  ach 
tha  mi  a  nis  ag  iarraidh  maitheanais  air 
creutairean  laghach  na  Cbille. 

Co  ris  a  theirear  hruid  no  beistl  Their  ri 
duine  salach  suarrach ;  duine  a  tha  cho  dona 
's  nach  'eil  e  furasda  facal  fhaotainn  a  dh' 
innseas  olcas  a  chliu.  Cha'n'eil  so  idir 
ceart;  cha'n'eil  ann  ach  fianuis-bhreige  an 
aghaidh  chreutairean  a  tha  an  da  chuid  glan 
agus  stuama  'n  am  beusan. 

An  la  roimhe  chuir  Sir  Arthur  Keith  'nar 
cuimhne  as  ur  gur  h-ann  o  sheorsa  de  mhon- 
caidh  a  thainig  mac  an  duine.  Sin  a'  cheucl 
cheum  ann  an  teagasg  nam  feallsanach,  agus 
is  e  an  ath-cheum  nach  'eil  anns  a'  pheacadh 
ach  duthchas  a'  mhoncaidh  ag  oibreachadh 
annainn.  An  uair  a  ni  aon  de  chloinn  nan 
daoine  gniomh  olc,  gniomh  a  chuireadh  naire 
air  na  h-ainglean,  their  na  feallsanaich  nach 
'eil  an  sin  ach  an  droch  dhuthchas ;  their  iad 
gu  bheil  e  a'  dol  air  ais  gus  na  bruidean  o'n 
tainig  e. 

Leigidh  mise  leis  na  feallsanaich  an  rathad 
fhein  a  ghabhail  agus  leanaidh  mi  ris  an 
oilean  a  fhuair  mi  'n  am  oige,  ach  is  e  an  rud 
sonruichte  a  bu  mhaith  leam  a  radh  air  an 
duilleig  so  nach  ann  bho  na  bruidean  a 
fhuair  mac  an  duine  cuid  de  na  droch 
bheusan  agus  de  na  droch  chleachdanna  a  tha 
aige,  c'aite  air  bith  an  d'  fhuair  e  iad. 

A  cheart  da-rireadh  tha  a'  ghloine  agus  an 
diadhaidheachd,  an  salchar  agus  an  aingidh- 
eachd,  a'  dol  comhla.  daonnan ;  tha  iad  a 
pogadh  beul  ri  beid.  An  uair  a  thoisicheas 
daoine  air  grain  a  ghabhail  air  uisge-fuar, 
a  mach  agus  a  stigh,  sin  agad  fior  dhroch 
comharradh  orra.  Cha  b'  ann  gun  aobhar 
a  bha  uisge-fuar  air  a  shonrachadh  mar 
mheadhon-baistidh.  An  uair  a  choisicheas 
tu  air  sr^idean  sonruichte  an  Duneideann  no 
an  Glaschu  nach  tig  an  smuain  a'd'  inntinn 
gu  bheil  na  daoine  cho  salach  's  nach  urrainn 
daibh  a  bhi  beusach !  Agus  theirear  mu 
dhaoine  salach  gu  bheil  iad  cho  dona  ris  na 
hrtiidean.  Ach  tha  na  bruidean  agus  creut- 
airean na  coille  cho  glan  ris  an  or.  Cha'n 
'eil  anns  an  fhacal  so  ach  fianuis-bhr6ige  'n 
an  aghaidh. 


44 


Ciod  iad  na  h-uilc  as  mo  anns  an  t-saoghal 
an  diughl  Their  na  Socialists  gur  e  niathair- 
aobhair  ar  tiioblaidean  uile,  gu  bheil  beaiteas 
an  t-saoghail  air  a  roinn  gu  neo-chothromach 
am  measg  dhaoine  ;  tuilleadh  's  a  choir  aig 
an  dara  duine  agus  tuilleadh  is  beag  aig  an 
duine  eile.  Their  cuid  eile  gur  e  uabhar 
agus  neo-stuamac'hd  (neo-stuamachd  a  thaobh 
bidh  agus  dibhe  agus  bhan)  na  j^eacanna  as 
mo  a  tha  milleadh  na  rioghachd  an  diugh- 
Ach  a  thaobh  nan  nithean  sin  uile  tha  na 
briiidean  neo-chiontach.  Ciod  air  bith  an 
doigh  anns  an  d'  fhuair  sinne  na  failingean 
sin  cha'n  ann  bho  na  bruidean. 

Cha'n'eil  saoibhreas  no  bochdainn  a'  cur 
dragh  air  creutairean  na  coille.  Tha  iad 
uile  ag  oibreachadh  air  son  an  loin ;  cha'n 
'eil  smaig  aig  an  dara  h-aon  air  aon  eile. 
Feumaidh  a  h-uile  creutair  a  bhiadh  fein  a 
chruinneachadh,  agus  cha'n  ith  gin  dhiubh 
ach  na  shasuicheas  acras.  Tha  iad  stuama 
cuideachd ;  cha'n  aithne  dhaibh  na  cleach- 
danna  grannda  a  tha  aig  clann-daoine 
gus  an  ana-mianna  a  riarachadh.  Tha  iad 
a'  siolachadh  gu  beusach  agus  aig  amanna 
sonruichte,  a  reir  an  lagha  a  chuir  Dia  'n 
an  cuirp,  lagh  d'a  bheil  iad  a'  toirt  umhlachd, 
agus  aig  amannan  eile  tha  iad  cho  stuama 
beusach  ris  an  neach  as  beusaiche  air  thalamh. 

Gle  thric  is  ann  an  uair  a  chithear  duine 
air  an  daoraich  a  theirear  nach  fhearr  e  'n  a 
bhruid,  ach  clia  bhi  na  bruidean  a'  gabhail 
daoraich.  Cha'n'eil  aon  drongair  anns  a' 
Choille  Bheithe  ach  tha  drongairean  gu  leoir 
anns  na  bailtean  a  tha  dluth  dhi. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  sgriobh  Sir  Iain 
Lubbock,  bancair  beachdail  a  bhiodh  a' 
gabhail  aire  do  dhoighean  nan  creutairean 
beaga,  sgriobh  e  leabhar  anns  an  d'  innis  e 
mu  oidhirpean  a  chleachd  e  fein  gus  an 
daorach  a  chur  air  seilleinean  agus  air 
speachan.  Tha  na  speachan  baigheil  ri 
cheile  ;  bheir  iad  comhnadh  do  chach  a  cheile 
an  uair  a  bhios  dad  cearr.  Ma  tha  te  dhiubh 
an  impis  a  bhi  air  a  bathadh,  no  ma  bhris  i 
a  cas  no  a  sgiath,  cuidichidh  each  leatha  agus 
giidainidh  iad  i  a  steach  do'n  nead. 

Uaireigin  a  thug  e  uisge-beatha  do  speach 
an  aite  siucair  chum  i  a  ceann  ann  cho  fada 
's  gu'n  do  ghabh  i  an  daorach-dhubh.  Cha 
b'  urrainn  i  gluasad  ;  chaill  i  comas  nan  cas 
gu  buileach.  Threoraich  e  speachan  eile  'ga 
h-ionnsuidh  a  dh'  fheuchainn  ciod  a  dhean- 
adh  iad.  An  uair  a  chunnaic  iad  gu  robh 
am  jDiuthar  'n  a  h-eigin  iniith  iad  thuice  agus 
dh'  fbeuch  iad  ri  togail.  Ach  ann  am 
mionaid  leig  iad  as  i  agus  thoisich  iad  air  dol 
timchioll  oirre  mar  nach  robh  iad  a'  tuigsinn 
ciod  a  bha  cearr.  Theagamh  gai  robh  iad  a' 
faotainn  aileadh  na  dibhe  dhith,  ach  co  dhiu, 
air  a'  cheann  mu  dheireadh  chuir  iad  air  a 
druim  i  agus  thoisich  iad  air  a  draghadh  air 
falbh,  ach  an  aite  a  toirt  dhachaidh  leo  do'n 


nead  thug  iad  gu  stalla  i  agus  thilg  iad  leatha 
a'  bhana-drongair  is  dh'  fhag  iad  an  sin  i. 
Agus  theagamh  gu  robh  iad  ag  radh  riu  fhein 
nach  b'  fhearr  i  dad  na  na  daoine.  , 

G©d  nach  'eil  eaglais  no  sgoil-Shabaid  anns 
a'  Choille  Bheithe  tha  creutairean  na  coille 
anabarrach  dileas  agus  dichioUach  a  thaobh 
teagasg  an  cloinne ;  gabhaidh  iad  dragh  mor 
gus  eolas  na  slighe  a  thoirt  daibh  agus  an 
gliocas  a  dh'  ionnsaich  iad  fein  air  an  cuairt 
anns  an  t-saoghal.  Cha'n'eil  sealladh  as 
urrainn  duine  fhaicinn  as  boidhche  na 
madadh-ruadh  fhaicinn  lanns  an  fheasgar  a' 
teagasg  nan  cuileanan  aig  beul  an  tuill.  Dh' 
fhaodadh  maighstirean-sgoile  aig  a  bheil 
M.A.  leasan  a  ghabhail  bhuaith.  Ach  air 
uairean  cha'n'eil  clann  na  coille  dad  na's 
fhearr  na  clann-daoine  mar  a  dh'  fhaodar 
fhaicinn  o'n  naigheachd  so,  naigheachd  a  tha 
air  a  h-innseadh  leis  an.  duine  chaomh  nach 
maireann,    I.    P.    Struthers,    an  Grianaig. 

"Bha  Inch  ann  uiair-eigin  a  bha  'n  a  ban- 
traich.  Bha  i  posda  ceithir  uairean. 
Mharbh  cat  aon  de  na  fir  aice ;  bha  a  cheithir 
eile  air  an  glacadh  ann  an  trap.  Bha  coig 
deug  ar  fhichead  de  theaghlach  aice  agus 
dhiubh  sin  bha  seachd  ar  fhichead  air  an 
glacadh  ann  an  trap  ;  eadar  a  braithrean  agus 
a  peathraichean  agus  braithrean  a  h-athar 
agus  a  mathar  bha  corr  agus  ochd  fichead  uile 
gu  leir  air  an  glacadh  ann  an  trap.  An 
ionghnadh  mata  gu'm  biodh  i  daonnan  a' 
bruidhinn  r'a  cloinn  mu  chunnartan  na 
beatha  agus  a'  cur  impidh  orra  gun  iad  a 
dhol  dliith  do  thrap  ? 

Ach  bhiodh  a'  chlann  a'  gaireachduinn  an 
uair  a  thoisicheadh  i  air  an  teagasg,  gu  son- 
ruichte aon  bhalach  caol  a  bha  aice  agus  a 
bha  anabarrach  maith  air  streap.  Bhiodh  e 
a'  dol  dhluth  do  thrapaichean  'n  a  cheart 
deoin  gus  eagal  a  chur  air  a  mhathair.  Uair- 
eigin a  chunnaic  e  trap  agus  e  duinte  leig  e 
'n  a  shineadh  r'a  thaobh  agus  thoisich  e  air 
sgreachail  gu  h-oillteil  mar  gu'n  robh  e  an 
impis  a  bhi  raarbh  gus  clisgeadh  a  chur  air 
cridhe  a  mhathar  agus  a  pheathraichean.  Ach 
bha  cat  a'  dol  seachad  anns  a'  mhionaid  sin 
fhein  agus  m'an  d'  fhuair  am  balach-lucha 
eirigh  leum  an  cat  agus  rug  e  air  amhaich 
air  agus  mharbh  e  e. 

Thachair  so  uile  ann  an  sealladh  an  fhir 
leis  am  bu  leis  an  tigh,  duine  a  bha  'na 
dhrongair.  Bha  e  a'  cur  air  a  bhrogan  gus 
dol  sios  do'n  tigh-osda  air  son  dibhearsoin  da 
fein  direach  mar  a  bha  am  balach-luch  a'  dol 
dana  air  an  trap  air  son  dibhearsoin  da  fein. 
Cha  'n  e  mhain  gu  robh  an  duine  ud  'n  a 
dhrongair  ach  bha  athair  'n  a  dhrongair 
cuideachd,  ach  an  uair  a  sheall  e  air  an  trap, 
agus  air  an  luch,  agus  air  a  chat  a  bha  'g  a 
h-itheadh,  is  e  thubhairt  e,  "  Nach  ne6nach 
an  rud  nach  ionnsaich  luchaidh  gliocas  agus 
iad  a'  faotainn  uiread  leasan  !" 


Air.   12. 


1927. 


DUINE  GOlBHNEll. 

Gu'n  deonaicheadh  Dia  trdcair  do 
theaghlach  Onesiphor^iis ;  oir  is  viinic  a  thug 
e  furtachd  dhomhsa,  agus  cha  do  ghabh  e 
ndire  de  m'  shlahhraidh ;  ach  an  uair  a  hha 
e  anns  an  Roimh,  shir  e  gu  dichiollach  air 
mo  shon  agus  fhuair  e  mi;  gun  deonaich- 
eadh an  Tighearna  dhasan  gu'm  faigh  e  trd- 
cair o'n  Tighearna  anns  an  Id  sin. — 2  Timo- 
teus,  i.  16,  17.  18. 

Cha'n'eil  fhios  aig  cluine  air  thalamh  an 
diugh  ciod  an  doigh  shonraichte  anns  an  do 
rinn  Onesiphorus  furtachd  air  Pol,  ach  co 
dhiu  bhean  coibhneas  an  duine  ri  cridlie 
Phoil  agus  cha  do  dhichuimhnich  e  riamh  e. 

A  reir  choslais  bha  Onesiphorus  marbh  an 
uair  a  sgriobh  Pol  na  briathran  so,  agus  tha 
cuid  de  dhaoine  am  beachd  mar  sin  gu  bheil 
Pol  a'  ceadachadh  urnuigh  a  dheanamh  air 
son  nam  marbh.  Aig  aon  am  chuireadh  an 
cleachdadh  sin  uiread  de  uamhas  air  daoine 
's  gu'n  cuireadh  iad  a  mach  as  an  eaglais 
ministear  air  bith  a  bheireadh  gnuis  dha. 
Ach  dh'  fhalbh  na  laithean  sin  is  faodaidh 
daoine  an  diugh  an  cairdean  a  tha  air  taobh 
thall  na  h-uagha  a  chuimhneachadh  'n  an 
urnuighean,  gun  eagal  Cleir  no  Seanaidh  a 
bhi  orra,  ma  tha  sin  a'  toirt  faochaidh  no 
comhfhurtachd  air  bith  d'  an  cridhe  fein. 

Is  e  an  fhirinn  gu'm  bi  sinn  uile  a' 
cuimhneachadh  aii-  na  mairbh  'n  ar  n-ur- 
nuighean,  agus  tha  e  nadurra  gu'm  bitheadh. 
Ach  cha'n'eil  sin  a'  ciallachadh  gu  bheil  sinn 
a'  creidsinn  ann  am  purgatoir,  no  gu  bheil 
fiughair  no  dochas  againn  gu'n  saorar  na 
mairbh  le  urnuighean  nam  beo.  Tha  an 
gradh  'n  a  lagh  dha  fein ;  an  uair  a  tha 
cridheachan  dithis  dhaoine  air  an  ceangal 
ri  ch6ile  le  gaol  cha  'n  \irrainn  am  bas  no 
cumhachd  air  bith  eile  sgaradh  a  chur 
eatorra,  no  a  thoirmeasg  dhaibh  each  a  ch^ile 
a  chuimhneachadh  agus  a  bheannachadh. 

Ged  chaidh  Onesiphorus  a  steach  do  fhois 
shiorruidh  nan  naomh  bha  e  gu  bitheanta  an 
inntinn  Phoil,  is  bhiodh  e  ag  innseadh  do 
dhaoine  eile  cho  coibhneil  's  a  bha  an  duine 
caomh  so  ris  ann  an  Ephesus,  agus  mar  sin 
bha  e  nadurra  gu  leoir  gu'n  gtiidheadh  e  sith 
d'a  anam  agus  gu'n  guidheadh  e  gu'n  lean- 
adh  maitheas  agus  trocair  an  Tighearna  a 
theaghlach. 

Tha  e  maith  a  bhi  leughadh  anns  a' 
Bhiobull  mu  dhaoine  mora  aig  an  robh  deich 
talantan  agus  a  rinn  seirbhis  chomharraichte 
an  rioghachd  Dh6,  ach  tha  e  maith  cuid- 
eachd  a  bhi  leughadh  anns  a'    Bhiobull  mu 


dhaoine  beaga  aig  nach  robh  ach  aon  talant 
agU'S  a  rinn  buil  mhaith  de  'n  chomas  agus 
de'n  chothrom  a  thug  Dia  dhaibh.  Tha  a 
gloir  fein  aig  a'  ghrein  agus  gloir  eile  aig 
a'  ghealaich. 

B'e  an  talant  a  thug  Dia  do  Onesiphorus 
cridhe  blath  is  coibhneil,  agus  is  e  daoine 
coibhneil  salann  na  talmhainn.  Ciod  a  tha 
ann  an  coibhneas  ach  spiorad  a'  ghraidh  ag 
oibreachadh,  agus  tha  Pol  ag  radh  gur  fhearr 
an  gradh  na  rud  air  bith  fo'n  ghrein. 

Air  uairean  tha  sinn  uile  an  dull  gur  e  na 
daoine  as  motha  a  tha  toirt  dhuinn  de 
thiachd  agus  de  iirachadh  spioraid  'n  ar 
beatha  daoine  sunndach  aig  a  bheil  facal  deas 
is  abhacach,  daoine  anns  a'  bheil  beotha- 
lachd  is  ceol-gaire,  ach  ged  is  maith  an  seorsa 
sin  an  drasd  's  a  rithist  cha  'n  fhaighear 
bhuapa  an  iocshlaint  a  gheibhear  bho 
dhaoine  coibhneil,  daoine  nach  'eil  geur  no 
glic  no  gleusda  ann  an  doigh  air  bith  ach 
aig  a  bheil  cridheachan  blath  is  baigheil. 

Cha  b'e  idir  a  naomhachd  no  a  mhorachd 
a  tharruing  daoine  gu  Criosd  ann  an 
laithean  fheola  ach  a  choibhneas.  A  reir 
gnaths  an  ama  bha  moran  de  na  Phairisich 
'n  an  daoine  urramach  agus  'n  an  daoine 
naomh  ach  bha  iad  cho  fuar  ri  gaoth  an 
reodhaidh.  Cha  robh  co-fhaireachduin  aca 
ri  anfhannachd  am  braithrean.  Ach  cha  b' 
ann  mar  sin  a  bha  Criosd.  Bha  a  chridhe 
Ian  iochd,  is  cha  b'  urrainn  e  labhairt  ris  na 
droch  bhoirionnaich  fhein  ach  gu  ciuin 
coibhneil. 

Ann  an  teaghlach  a  b'  aithne  dhomh  gu 
maith  bha  seana  mhaighdean  nach  robh  air 
a  cunntas  am  measg  nan  cairdean  as  an  robh 
an  teaghlach  uasal.  Bha  na  gillean  oga  a 
bha  anns  a'  choimhearsnachd  cho  dall  's 
nach  do  shanntaich  gin  dhiubh  riamh  a 
posadh  ;  b'  fhearr  \eh  gogaidean  a  bu  riomh- 
aiche  agus  a  bu  luaithe  teanga.  Mar  sin 
chuir  i  seachad  a  beatha  ann  an  tigh  a 
brathar  ;  ged  bha  gaol  gu  \eh\i-  aig  clann  a 
brathar  oirre  bhiodh  iad  a'  gaireachduinn 
air  piuthar-an-athar  gun  sgur,  agus  an 
uair  a  bhiodh  cruinneachadh  air  bith  aca 
anns  an  tigh  bhiodh  Mairi  air  chul  nam  bord 
a  chionn  gu  robh  i  seann-fhasanta  Ie6  agus 
neonaeh.  Ach  a'  cheart  mhionaid  a  rachadh 
dad  cearr  anns  ^an  teaghlach  ud  b'  ann  air 
piuthar-an-athar  a  ghlaodhadh  iad  uile,  oir 
bha  iad  cho  cinnteach  as  a  dilseachd  agus  as 
a  coibhneas  's  a  bha  iad  cinnteach  a  solus  na 
gr^ine.  Agus  cha  'n  e  mhain  sin,  ach  aitr 
na  h-amannan  sin,  an  am  tinneis  no  bais  no 
cruadhais  air  bith  eile,  bha  tapaohd   is  taic 


iuute  air  clieaun  guothuich  uach  robh  aim  au 
neach  eile  anns  an  tigh  ud  ;  bha  blaths  is 
ooibhneas  a  cridhe  mar  tliobar  de  uisge-beo 
do'n  teaghlach  uile.  )Sin  an  seorsa  dhaoine 
as  fhiach  urram  a  thoirt  dhaibh ;  ma  tha  gin 
dhiubh  am  measg  nan  daimheach  agad-sa,  a 
leughadair,  cuir  air  thoiseach  iad  air  each 
uile  air  sgath  an  coibhneis. 

"  Gun  deonaicheadh  Dia  trocair  do  theagh- 
lach  Onesiphoruis."  Tha  am  Blobull  ag 
innseadh  dhuinn  gur  beannaichte  siol  an 
fhlrein,  is  bheannaich  Pol  an  teaghlach  air 
sgkth  an  athar.  Tha  mi  an  duil  nach  'eil 
rud  air  an  t-saoghal  as  mo  a  bheanas  ri 
cridhe  duine  na  coibhneas  fhaotainn  bho 
choigreach  air  sgath  athar,  agus  athair  a  nis 
anns  an  uaigh.  Dh'  fhiosraich  mise  a  leithid 
sin  de  choibhneas  mi  f6in,  agus  theagamh  gur 
h-urrainn  cuid  de  na  leughas  an  duilleag  so 
an  ni  ceudna  a  radh.  Ma  tha  aingidheachd 
an  aithrichean  air  fhiosrachadh  air  a' 
chloinn,  tha  iad  a'  faotainn  beannachdan 
nach  do  choisinn  agus  nach  do  thoill  iad  air 
sgath  an  aithrichean. 

"  Gu'n  de6naicheadh  an  Tighearna  gu'm 
faigh  e  tr^air  o'n  Tighearna  anns  an  Id 
sin."  Cha  robh  ach  aon  la  an  inntinn  Ph6il 
agus  e  a'  sgriobhadh  na  litir  mu  dheireadh 
a  sgrlobh  e  riamh  ;  an  la  mor,  an  la  anns  an 
toir  Dia  breith  air  nithe  falaichte  dhaoine, 
00  dhiu  is  maith  no  olc  iad.  Bidh  feum 
eadhon  aig  Pol  f^in  air  trocair  an  Tighearna 
anns  an  la  sin,  ged  tha  an  t-abstol  Eoin  a' 
labhairt  mar  gu'm  biodh  e  comasach  do 
dhaoine  seasamh  gun  naire  an  lathair  an 
Tighearna  aig  a  theachd.  Ach  cha  b'  ann 
a  chionn  gu  robh  e  a'  saoilsinn  gu  robh  e  f^in 
airidh  air  seasamh  an  lathair  an  Tighearna 
a  thubhairt  an  t-abstol  Eoin  sin,  ach  a  chionn 
gu  robh  fhios  aige  gur  e  Criosd  a  bhios  'n  a 
shuidhe  air  Caithir  a'  Bhreitheanais.  An 
neach  a  thig  mar  bhreitheamh  is  e  sin  an 
neach  ceudna  a  thainig  cheana  mar  Shlan- 
uighear.  Sin  an  aon  danachd  as  urrainn  a 
bhi  aig  duine  air  bith  anns  an  la  mhor,  gu 
bheil  ar  breitheamh  uile-l^irsinneach  agus 
tr^caireach,  agus  gur  h-aithne  dha  ar 
n-aithreachas  agus  ar  deoir  agus  ar  stri  cho 
mhaith  agus  is  aithne  dha  ar  peacaidhean 
agus  ar  n-eviceartan  uile.  Na  'n  do  shuidh 
na  deich  abstoil  mar  dhiuraidh  air  Peadar, 
seachduin  an  d^idh  dha  a  Mhaighstir  aich- 
eadh,  theagamh  gu  robh  falluinn  na  h-abstol- 
achd  air  a  thoirt  dheth  agus  gu  robh  e  air 
a  chur  a  mach  as  a  dhreuchd,  ach  bha  Criosd 
trocaireach  oir  b'  aithne  dha'cridhe  Pheadair, 
an  t-olc  agus  am  maith  araon,  agus  dh' 
aisig  e  anam  dha  air  ais.  Ann  an  stri  ar 
beatha,  agus  aig  \iair  ar  bais  agus  ann  an  la 
a'  bhreitheanais,  a  Thighearna,  cuimhnich 
trocair. 


ANNS  A  CHATHAIR! 

Bho  chionn  ghuirid  cliuir  mi  seachad  oidh- 
che  an  Cille-Sgumain  agus  am  measg  nan 
daoine  eile  air  an  do  thadhaill  mi  thadhaill 
mi  air  C'alum  Domhnullach,  beadall  na 
h-eaglais.  Tha  Calum  dona  leis  an  loinidh ; 
bha  mi  duilich  fhaicinn  cho  critheanach  air 
a  chasan,  ach  'na  inutinn  agus  'n  a  fhacal 
tha  e  cho  geur  's  a  bha  e  riamh. 

Bhruidhinn  sinn  air  fichead  rud  air  nach 
fhaod  mi  tarruing  a  thoirt  air  an  duilleig 
so,  rudan  a  bha  eadar  sinn  fhein  agus  an 
ursann,  ach  bu  mhaith  learn  innseadh  dhuibh 
cuid  de  na  nithean  a  thubhairt  e  mu  chor  na 
h-eaglais  anns  na  laithean  so.  Theagamh 
nach  cord  na  nithean  sin  riusan  a  tha 
gabhail  fois  an  Sion,  ag  eigheach  Sith,  Sith, 
an  uair  nach  'eil  sith  ann ;  ag  eigheach 
Solus,  Solus,  an  uair  nach  'eil  ann  ach 
dorchadas ;  agus  theagamh  gu'n  abair  iad 
nach  'eil  annta  ach  gl^ramas  is  g(iraiche 
seann  duine  a'  caoidh  nan  laithean  a  dh' 
fhalbh.  Tha  seorsa  dhaoine  ann  an  diugh  a 
tha  an  dviil  nach  'eil  tur  no  toinisg  anns  na 
daoine  a  rainig  aois  roimh  bhliadhnachan  a' 
chogaidh ;  eisdidh  iad  le  'n  da  chluais  ri 
saighdear  a'  toirt  dhaibh  a  bheachdan  air 
diomhaireachd  na  diadhachd,  ach  cha'n  eisd 
iad  idir  ri  seana  bheadalj,  gu  sonruichte  ma 
tha  an  loinidh  air. 

Tha  suas  ri  tri  fichead  bliadhna  bho 
thoisich  Calum  air  dol  do'n  eaglais  agus  air 
beachd  a  ghabhail  air  na  nithean  a  bha  e  a' 
faicinn  agus  a'  cluinntinn  innte ;  sin  an 
t-aobhar  gu'n  d'  fhoiglmich  mi  dheth  ciod 
an  t-atharrachadh  a  bu  mh^  a  chunnaic  e  a' 
tighinn  air  an  eaglais  ri  chuimhne. 

"Ma  ta,"  ars'  esan,  "  bhiodh  sin  car 
duilich  a  radh,  thainig  iomadh  atharrachadh 
air  beatha  agus  obair  na  h-eaglais  bho 
thoisich  mise  air  dol  innte,  ach  tha  mi  an 
duil  gur  e  an  t-atharraehadh  as  motha  a 
thainig  oirre  an  seorsa  teagaisg  a  tha  sinn 
a'  faotainn  an  diugh." 

"  A  bheil  sibh  a'  ciallachadh  nach  'eil  na 
ministearan  oga  a'  toirt  do'n  t-sluagh  a' 
cheart  soisgeid  a  thug  na  seann  mhinistearan 
dhaibh?" 

"  Cha  'n  abrainn  sin  uile  gu  leir,  ach  co 
dhiu  cha'n'eil  iad  'ga  thoirt  dhaibh  anns  an 
aon  d^igh ;  cha'n'eil  iad  'g  a  thoirt  dhaibh 
cho  soilleir  no  cho  laidir  no  le  ughdarras  cho 
cinnteach  's  a  b'  abhaist  do  na  h-aithricliean 
labhairt." 

"Theagamh,"  arsa  mise,  "  gu  robh  na 
h-aithrichean  a'  labhairt  le  cinnt  air  nithean 
nach  robh  idir  cinnteach  no  soilleir." 

"  Faodaidh  sin  a  bhith,"  fhreagair  Calum, 
"  ach  ma  bha  na  seann  mhinistearan  tuill- 
eadh    's   a   ch^ir    cinnteach   gu'rti    b'    aithne 


47 


«lliail)li  uile  ruiiitean  Dhe  agus  uile  dhiomh- 
nireaclidan  an  t  sa<>ghail  eile  b'  aithue 
dhail)h  co  dliiu  ciod  a  blia  iad  a'  croidsiun 
agus  bha  iad  a'  seaimonadiadh  nam 
firinnean  mora  a  tlja  air  an  cur  sios  ann  an 
creud  na  li-eaglais." 

"  Nach  'eil  na  ministearan  oga  a'  deanamh 
sin  cuideachd?" 

"  Ma  tha,  tha  iad  'g  a  dlieanamh  an  cainnt 
nach  'eil  soilleir  dliomhsa  agus  nach  'eil  uair 
air  bith  a'  bioradh  mo  choguis.  An  uair  a 
bha  Maighstir  Eachann  beo  bhitheamaid  a' 
cluinntinn  mu  neamh  agus  mu  ifreann,  mu 
aithreachas  agus  mu  iompachadh,  mu  mhaith- 
eanas  peacaidh  air  bhonn  na  h-iobairt  a  thug 
Mac  Dhe  suas  air  a'  chrann-cheusaidh,  agus 
cha  b'  urrainn  duine  air  bith  an  eaglais 
ihagail  gun  fhios  a  bhi  aige  gu'm  bu  rud 
soluimte  agus  gu'm  bu  rud  cunnartach  a  bha 
ann  cul  a  chur  ri  tairgse  an  t-goisgeil.  Ach 
Iha  fichead  bliadhna  agus  an  corr  bho  nach 
cuala  mi  searmonachadh  de  'n  t-seorsa  sin 
an  eaglais  Chille-Sgumain." 

"  Agus  ciod  an  seorsa  eile  a  bhios  sibh  a' 
cluinntinn?" 

"  Tha  sin  duilich  a  radh  ann  an  aon 
f ha^al ;  tha  am  ministear  laghach  againne, 
an  t-Urraraach  Niall  M'ac  Pharlain,  B.D. ,  'n 
a  sgoilear  maith  agus  'na  dheagh  shearmon- 
aiclie,  ach  ged  tha  mi  ag  eisdeachd  ris  da  uair 
a  h-uile  Sabaid  bho  chionn  bhliadhnachan 
cha  chuala  mi  riamh  e  a'  cur  impidh  oirnn 
teicheadh  o'n  fheirg  a  ta  ri  teachd,  no  ag 
i-adh  aon  fhacal  a  bheireadh  orm  a  chiiimh- 
neachadh  g\\  bheil  mughadh  eadar  daoine 
iompaichte  agus  daoine  neo-iompaichte  anus 
an  t-siorruidheachd.  Anns  na  h-urnuighean 
a  bhios  e  a'  deanamh  aig  tlodhlacadh  nam 
marbh  bidh  e  a'  labhairt  mar  gu'm  biodh  na 
maii'bh  uile,  aig  uair  am  bais,  a'  dol  a  steach 
do  ghliir." 

"  Is  ann  do  Dhia  a  mhain  a  bhuineas 
breitheanas,  a  Chaluim,  agus  is  maith  gur 
h-ann  ;  cha'n'eil  e  freagarrach  do  dhuine  air 
bith  a  bheachdan  a  thoirt  do  Dhia,  no  eadhon 
do  dhaoine,  mu  chor  spioradail  dhaoine  eile 
aig  uair  am  bais,  ach  air  a  shon  sin  tha  e 
c©art  gu'm  biodh  buidheachas  air  a  thoirt  do 
Dhia  air  son  dochas  na  gloire  agus  staid 
bheannaichte  nan  naomh,  co  dhiu  a  bha  an 
duine  a  thatar  a'  tlodhlacadh  maith  no  dona." 

"  Tha  7uise  a'  dol  leat  an  sin  le  m'  uile 
chridhe,"  arsa  Calum,  "cha  'n  e  a  leithid  sin 
d'  an  robh  mi  a'  faotainn  coire  idir  ach  rud 
eile  uile  gu  leir.  Theagamh  gu  robh  aireamh 
bh«ag  de  dhaoine  anns  an  rioghachd  so  a  bha 
daonnan  a'  creidsinn  gur  co-ionnan  a  thach- 
ras  do  na  naoimh  agus  do  na  h-eucoraich  aig 
uair  am  bais  ;  bha  iad  a'  creidsinn  gu  robh 
iad  le  ch^ile  a'  dol  a  steach  do  n^amh.  Ach 
roimh  laithean  a'  chogaidh  mu  dheireadh  cha 


d'  fhuair  na  beachdau  sin  an  ceann  a  thogail 
!iiui8  an  rioghachd  oir  bha  ughdairae  ua 
li-eaglais  agus  ughdajras  na  m<5r-chuideachd 
de  dliaoine  tuigseach  'n  an  aghaidh.  Ach 
ann  an  laithean  a'  chogaidh  chaill  an  eaglais 
a  cairt  agus  a  combaist  agus  thoisich  i  air 
gnuis  a  thoirt  do  bheachdan  a  chuireadh 
ionghnadh  nach  bu  bheag  air  na  h-abstoil  a 
chuir  air  chois  i.  Thoisich  minist«aran  air 
bruidhinn  mar  gu'm  biodh  e  cinnteach  gu 
robh  na  saighdearan  a  thuit  anns  a'  bhlar 
uile  a'  dol  a  steach  do  ghloir  shiorruidh." 

"  Tha  sin  fior,  a  Chaluim,  ach  cha  b'  ann 
air  ghaol  na  i^gi'iobturan  a  bhreugnachadh 
a  rinn  iad  e  ach  los  comhfhurtachd  a  thoirt 
do  chridheachan  leonta. " 

"  B'e  sin  an  t-aobhar  gun  teagamh,  ach 
cha'n'eil  comhfhurtachd  laidir  ann  an  rud 
air  bith  ach  an  Fhirinn.  Tha  cuimhne  agam- 
sa  gu  maith  air  searmon  mor  laidir  a  thug 
Maighstir  Eachann  dhuinn  an  uair  a  bha  an 
Tuirc  a'  cogadh  ris  a'  Ghreig  ;  thubhairt  e 
gu  robh  e  air  a  chur  ann  an  cinn  nan  saigh- 
dearan Turcach  gu  robh  a  chuibhrionn  de 
Pharras  cinnteach  do  shaighdear  air  bith  a 
thuiteadh  anns  a'  bhlar  agus  gu'm  b'e  sud 
an  t-aobhar  gu  robh  na  saighdearan  Turcach 
cho  gaisgeil.  Ach  bu  bheag  mo  dhuil  aig  an 
am  gu'n  tigeadh  an  lath  a  anns  an  cluinninn 
teagasg  Mhohammed  air  a  thoirt  seachad  ann 
an  cubaidean  na  h-eaglais  Chriosduidh." 

"  TTd,  ud,  a  Chaluim  ;  tha  mi  an  dull  gu 
bheil  sibh  a'  deanamh  i-ud  mor  de  riid  beag  ; 
ann  an  teas  cogaidh  an  uair  a  tha  faireach- 
duinnean  dhaoine  na's  laidire  na  'n  ciall  tha 
e  nadurra  gu  leoii-  gu'm  biodh  minislearan 
cho  mhaith  ri  daoine  eile  a'  dorchachadh  tea- 
gaisg  le  bi'iathran  gun  tiir,  ach  thainig  crioch 
air  a'  chogadli  a  nis  agus  saoilidh  mi  nach 
ruig  sibh  fein  no  Seonaid  Eachainn  a  leas 
eagal  air  biih  a  l)lii  oirbh  gu'm  bi  eaglais 
Chille-Rgumain  aii'  a  truailleadh  le  teagasg 
Mhohammed . ' ' 

"  Ma  ta,  a  charaid,  nach  innis  mise  naigh- 
eachd  dhuit  air  sin  !  Tha  cuimhne  agad  air 
TTisdean  Friseal  aig  an  robh  eroit  bheag 
fhliuch  air  sliabh  Earneil.  Bha  aon  nighean 
aige,  caile  ruadh  anns  nach  robh  naire  no 
grinneas.  Cha  robh  i  bliadhna  'g  a  cosnadh 
air  a'  Challdachd  an  uair  a  fhuair  i  paisde 
bho  cheard  de  dhuine  nach  do  rinn  car  ceart 
r-iamh  agus  a  l>hiodh  anns  a'  phriosan  na  bu 
trice  na  bhiodh  e  a  mach  as.  Thog  Uisdean 
Friseal  agus  a  bhean  am  paisde,  ach  bha  an 
droch  fhuil  ann  is  bha  e  na  bu  mhiosa  na  'n 
ceard  a  b'  athair  dha.  Cha  robh  olc  nach 
robh  e  suas  ris;  bha  an  t-61  agus  a'  mheirle 
ann  gu  nadurra,  agus  mu'n  robh  e  ochd 
bliadhna  deug  bha  triuir  de  chloinn  dhlolain 
aige.  B'e  Gobi  am  far-ainm  a  bha  aig  na 
balaich  eile   air  an  Cille-sgumain  ;  cha'n'eil 


4r 


t'hios  again  c'ar  son  no  ciamar  a  fhuair  e  an 
t  aiunj.  Aa'Ii  co  dhiu  clia  robh  an  <i<>l»i  arli 
diu  nan  Irusdar.  Chuir  e  a'  clilach-mhul- 
laich  air  a  thrnsdaireaehd  le  caileag  laghach 
a  bha  air  fasdadh  aig  a'  Choirneal  a  mheall- 
adh  agus  a  thoirt  a  thaoibh,  agus  gn  gorach 
phos  i  Gobi.  Aeh  b'  fhearr  din  a  bin  marbh 
seach  na  dh'  flmiling  i  leis  an  dvoch  sgealb  : 
an  uair  a  ghaljliadli  e  an  deoch  bhiodh  e  'ga 
breabadh  gns  am  feumaidh  i  ioniadh  oidhche 
a  chur  seachad  a  mach  air  an  t-sliabh.  Aeh 
an  sin  thainig  an  cogadh  ;  cha  do  shir  aeh 
sheaehain  Gobi  a'  chaonnag,  is  theich  e  gu 
muir  los  an  t-ai'in  a  sheaelmadh.  Aeh  cha 
robh  sgiobair  air  Cluaidh  a  chuii-eadh  suas 
fada  leis;  uair  a  bha  air  a  phaigheadh  dheth 
ghabh  e  an  daorach  is  chuireadh  anns  a' 
phriosan  e.  Chunnacas  anns  a'  phriosan  gn 
robh  e  aois  cogaidh,  agus  gun  a  ehead  no 
chomhairle  iarraidh  thugadh  thairis  do 
mhuinntir  an  airm  e  is  rinneadh  saighdear 
dheth.  An  uair  a  chual  a  bhean  gu  robh  e 
anns  an  arm  ghuidh  is  ghuidh  i  'n  a  cridhe 
naeh  tilleadh  e  gu  brath ;  gu'n  euireadh  na 
Gearmailtich  peilear   ann." 

An  ceann  nine  chaidh  Gobi  do'n  Fhraing 
agus  a  ehridhe  an  impis  leum  as  a  ehochull, 
agus  tri  laithean  an  deidh  do'n  reiseamaid 
dol  air  tir  bha  i  air  a  cur  suas  do  na  trainn- 
seachan.  An  sin  thoisich  am  blar,  agus  ciod 
air  bith  mar  a  thachair  an  rud,  rinn  Gobi 
gniomh  eho  gaisgeil  's  a  chualas  riamh  iom- 
radh  air.  Mharbh  e  naoi  Gearmailtich  leis 
fhoin  is  dlr  fhosgail  e  an  rathad  do'n  reis- 
eamaid dol  air  a  h-aghaidh.  Bha'e  air  a  leon 
gu  dona  aeh  fhuair  e  Croh  Victoria  mar 
dhuais  a  Ihreubhantais.  Aeh  shiu1>hail  e 
anns  an  ospidal." 

"  Bha  muinntir  Chille-Sgumain  balbh  le 
ionghnadh  an  uair  a  thainig  an  naigheaehd 
gu'n  d'  fhuair  Gobi  V.C.,  agus  balbh  le  fair- 
eaehduinn  eile  an  uair  a  thainig  an  naigh- 
eaehd gu  robh  e  marbh An  ceann 

seaehduin  bha  eearcall  gloire  air  a  chur  air 
a  cheann  agus  onoir  is  \irram  foUaiseach  air 
a  thoirt  da  mar  shaighdear  Criosdiiidh  naeh 
d'  fhuair  Pol  no  gin  eile  de  na  h-abstoil 
riamh.  Bha  seirbhis  air  a  deanamh  anns  an 
eaglais  a  dh'  aon  ghnothueh  air  a  shon,  ged 
b'e  an  eaglais  an  aon  aite  anns  an  sgireachd 
anns  naeh  do  sheas  Gobi  riamh.  'Na  ehridhe 
cha  robh  an  t-Urramach  Niall  Mae  Pharlain, 
B.D.,  iiile  gu  leir  einnteach  eiod  a  bu  choir 
dha  a  dheanamh,  aeh  an  uair  a  chuireas  am 
Baillidh,  agus  bean  a'  Ohoiineil,  agu.s  Tom 
Elliot,  rud  air  bith  romhpa  dh'  fheumadh 
am  fear  a  chuireadh  stad  orra  a  bhi  na  bu 
laidire  na  'n  t-TJrramach  Niall  Mac  Pharlain, 
B.D.  An  uair  a  chual  e  gu  robh  an  Coirneal 
air  son  dol  do'n  eaglais  air  cheann  nan 
Volunteers,  agus  bean  a'  Choirneil  air  cheann 
nan  Girl  fHvidex,  agus  Tom  Elliot  air  cheann 


nam  Bmj  Scouts,  agus  gu  robh  tru}*  de'n 
rciseaiiiaid  anns  an  rtibh  Gobi  a'  tighinn  a 
lonaraora  le  piobairean  is  drumaehan,  agu« 
brathair  an  Dine  air  an  ceann,  chunnaie  e 
gu  robh  a'  ghaoth  fabharaeh  is  sgaoil  e  a 
shiuil  rithe  is  bheannaich  e  an  t-arm  agus 
Gobi.  B'e  an  ceann-teagaisg  a  ghabh  e, 
'■  Gradh  as  mo  na  so  cha'n'eil  aig  neach  air 
bith,  gu'n  leigeadh  duine  a  bheatha  sios  air 
son  a  chairdean,"  agus  tharruing  e  coimeas 
eadar  an  gniomh  a  rinn  Gobi  agus  am  bas  a 
dh'  fhuiling  an  Slanuighear  air  Calbhari. 
Thug  e  taing  do  Dhia  air  son  Ghobi  agus 
ghuidh  e  gu'm  biodh  gras  air  a  thoirt  do 
mhuinntir  Chille-Sgumain  an  t-eisiomplair 
a  thug  e  dhaibh  a  leantuinn  a  chum  's  gu'n 
sealbhaicheadh  iad  a'  ghloir  air  an  do  rainig 
esan,   agus  an  sin  sheinn  iad  an  laoidh, 

Chriochnaich  mi  nis  mo  chath  's  mo  reis ; 
Is  dluth  dhomh  eug  is  uaigh  ; 
M'   anam  a  choisrig  mi  do  Dhia, 
Triallaidh   gu  neamh  le  buaidh. 

Le   armaibh  neamhaidh   chuir  mi  'n  cath, 
Fo  bhratach  Chriosd  mo  Thriath ; 
Ruith  mi  mo  reis,  mo  dhilseaehd  dhearbh,- 
'S  tha  m'  earbs'  a  duais  o  m'  Dhia." 

"Ciod  a  their  thu  ri  sin?" 

"  Mata,  a  Chaluim,  tha  an  naigheaehd  a 
dh'  innis  sibh  bronach  ann  an  doigh  no  dha, 
aeh  ged  naeh  gabh  mise  gnothuch  ri  Gobi  no 
ris  an  Urramach  Niall  Mae  Pharlain,  B.D., 
tha  mi  a'  dol  leibh  an  so,  gu  'n  do  lub  na 
h-eaglaisean  an  glun  do  Phrionnsa  an  t- 
saoghail  ann  am  bliadhnachan  a'  chogaidh. 
Bheannaich  iad  daoine  agus  nithean  naeh  'eil 
Facal  Dhe  a'  beannaehadh." 

"Rinn  iad  sin,  aeh  tha  a  bhuil  a  nis;  cha 
toir  an  saoghal  geill  do  na  h-eaglaisean  an 
diiigh  n'a's  mo  na  bheir  drobh  ghamhna  g^ill 
do  sheana  chii.  Tha  fhios  aige  naeh  'eil  iad 
dad  na's  fhearr  na  e  f6in  ;  gu'm  beannaich 
agus  gu'm  mallaieh  iad  leis  an  taobh  as 
lionmhoire  agus  as  laidire." 

"  Tha  mi  an  diiil  gu  bheil  sibh  ro  throm 
air  na  h-eaglaisean,  a  Chaluim,  aeh  feum- 
aidh mi  aideaehadh  gu  bheil  freumh  de'n 
fhirinn  anns  na  thubhairt  sibh.  An  uair  a 
theid  an  eaglais  agus  an  t-arm  air  achlaisean 
a  ehcile, —  lieannachd  le  eumhachd  na  diadh- 
aidheaehd !" 

LAOIDH  NOLLAIGE. 

Eisd  's  an  iarmailt  6ran  binn — 
"Gloir  gun   chrich  do  Righ  nan  Rlgh  ! 
Sith  air  thalamh    's  troeair  sheimh 
Dia  is  daoine  reidh  ri  cheil !" 
Diiisgidh  suas,    a  shloigh  gu  leir, 
'S      freagraibh      caithream-bhuaidh      nan 

speur ; 
Togadh  talamh  's  neamh  an  guth — 
"  Rugadh  Tosa  Criosd  an  diugh!"