Skip to main content

Full text of "Life and work 1928-1931"

See other formats


■•  *MKSA»(^*(it/'W W<W^ 


&mmmmSam 


(GAELIC    RUPPI 


.ement) 


1     II    O     O 


i  J7  ^;.  5 


IliiilSISftS 


19  31 


.2)a  ^. iMyy^XsJ^,     lASbr 


\, J„j)£.., 


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1928193100chur 


ji.  i:xbS'] 


Air     1. 


1928. 


A'  BHLIADHNA  UR. 

Tha  sinn  a'  guidhe  bliadhna  mhaith  ur 
do  ar  luchd-leughaidh  air  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd  uile;  a'  guidhe  gu'm  bi  slainte  is 
soirbheachadh  aca  re  na  bliadhna  so,  agus 
gu  s^nruichte  gu'm  bi  beannachd  an  Tigh- 
earna  maille  riu  'n  an  dol-a-mach  agus  'n 
an  teachd-a-steach. 

Am  bliadhna  tha  la  na  bliadhna  uire  a' 
tuiteam  air  la  na  Sabaid ;  cha'n  urrainn 
duinn  toiseachadh  air  obair  na  bliadhna  ann 
an  aite  as  fhearr  na  ann  an  tigh  an  Tigh- 
earna,  ag  ioca'dh  ar  boidean  do'n  Ti  IJile- 
chumhachdach  a  tha  riaghladh  air  n^amh  is 
talamh.  As  eugmhais  beannachd  an  Tigh- 
earna  tha  ar  n-uile  shaothair  diomhain,  air 
chor  agus  gu  bheil  e  freagarrach  gu  'n  aid- 
icheamaid  ainm-san  an  toiseach  gach  la  agus 
an  toiseach  gach  gnothuich.  "  Ann  ad  uile 
shlighibh  aidich  e,  agus  seolaidh  esan  do 
cheuman." 

Is  gasda  an  sealladh  e  coimhthional  mor 
fhaicinn  ann  an  tigh  an  Tighearna  air  ma- 
duinn  na  bliadhn'  uire,  a'  togail  fonn  nan 
salm  : — 

Mo  shuilean  togam  suas  a  chum 
Nam   beann  o'n  tig  mo  neart ; 
O'n  Dia  rinn    talamh  agus    neamh, 
Tha  m'  fhurtachd  uile  teachd. 

Do  dhol-a-mach   's  do  theachd-a-steach, 
Coimhididh    Dia  a   ghnath  ; 
O'n  aimsir  so  a  nis  a  t'   ann 
'S  0  sin  a  mach  gu  brath. 

An  Turns  a  Ghriosduidh  tha  Iain  Bunain 
ag  innseadh  mu  chomhradh  a  bha  eadar  Mis- 
neach  agus  lonraic  mu  chompanach  eile  a 
bha  dol  maille  riu  a  dh'  ionnsuidh  a'  bhaile 
neamhaidh. 

Misneach: — "An  aithne  dhuit  duine  d' 
an   ainm  Eagal?" 

lonraic:, — "Is  maith  sin;  duine  firinn- 
each  is  duine  ceart,  ach  duine  cho  draghail 
a  ghabhail  an  rathaid  leis  's  a  thachair  orm 
riamh." 

Mimeach  : — "  Tha  thu  ceart  :  tha  mi  a' 
faicinn  gur  h-aithne  dhuit  an  duine  gu 
maith." 

lonraic: — "-Gur  h-aithne  dhomh  e!  Bha 
sinn  gle  eolach  air  a  cheile  oir  bhitheamaid 
comhla  daonnan.  B'e  mise  a  bha  c6mhia  ris 
an  uair  a  thoisich  e  air  fiamh  a  ghpbMif^ 
roimh  na  h-uamhasan  a  bha  e  a'  famWn, 
anns  an  t-slighe. "  f:'- 


Misneach  : — "  Is  mise  a  threoraich  e  o 
thigh  mo  Mhaighstir  gu  geatachan  a'  bhaile 
neamhaidh." 

lonraic: — "A  bheil  thu  ag  radh  rium  ! 
Innis  dhomh  uime  oir  is  toigh  leam  a 
chluinntinn  ciamar  a  chaidh  dha." 

Misneach  : — "  Mata,  cha  deachaidh  ach 
gii  meadhonach ;  duine  eile  cho  gealtach  ris 
cha'n  fhaca  mise  riamh.  Bha  e  'n  a  shin- 
eadh  fad  mios  aig  slochd  an  Eu-d^chais,  a' 
ranaich  leis  an  eagal.  Bha  e  air  chrith  agus 
cha  b'  urrainn  e  cas  a  chur  foidhe,  ged  bha 
e  a'  faicinn  dhaoine  eile  a'  dol  thairis  s'u 
sabhailte,  agus  ged  bha  iad  a'  tairgsinn 
cuideachaidh  dha.  Cha  rachadh  e  ceum  air 
aghaidh  agus  cha  mho  a  rachadh  e  air  ais. 
Le  ciuchran  truagh  theireadh  e  gu'm  bu 
duine  ullamh  e  mur  ruigeadh  e  am  baile 
neamhaidh,  ach  a  ch^art  cho  luath  's  a 
thigeadh  an  duileadas  a  bu  lugha  'na  rath- 
adh  thuiteadh  e  as  a  sheasamh  leis  an  eagal. 
Ach  coma  co  dhiu,  air  a  cheann  mu  dheir- 
eadh,  an  deidh  dha  mios  mor  a  chur  seachad 
aig  slochd  an  Eu-dochais,  aon  mhaduinn 
ghrianach  thug  e  ionnsuidh  thapaidh  air 
agus  fhuair  e  thairis,  ach  is  ann  aig  Ni- 
maith  a  tha  brath  ciamar  a  fhuair." 

Cha  ruig  sinn  a  leas  an  comhradh  so  a 
leantuinn  na's  fhaide ;  is  maith  an  rud  mis- 
neach agus  earbsa  an  Dia  aig  toiseach 
bliadhn'  uire.  Cleas  dhroch  aoighean  eile 
thiff  an  t-eagal  air  uairean  oirnn  gun  iarr- 
aidh,  ach  air  a  shon  sin  is  e  mathair-aobhair 
an  eaeail  nach  'eil  an  luchd-turuis  a'  faicinn 
an  Tre^raiche  a  tha  maille  riu  a  ghnath. 
Chi  iad  na  le^ghainn  a  tha  anns  an  t-slighe, 
agus  theagamh  gu'm  faic  iad  fichead  an  uair 
nach  'eil  ann  ach  tri,  ach  tha  iad  a'  dich- 
uimhneachadh  c6  a  tha  air  an  deas  laimh. 
"A  Thighearna,  fosgail,  guidheam  ort,  a 
shuilean,  a  chum  gu'm  faic  e.  Agus  dh' 
fhosgail  an  Tighearna  suilean  an  os-anaich, 
affus  chunnaic  e ;  agus,  feuch,  bha  an  sliabh 
Ian  de  eich  aeus  de  charbadan-teine  mu'n 
cuairt  air  Elisa." 

Tha  aingeal  Dhe  a'   campachadh 
Mu'n  dream  d'   an  eagal  e, 
'G  am  fuasgladh  is  'g  an  teasairginn 
O'n  trioblaidibh  gu  leir. 

Rachamaid,  mata,  an  coinneamh  na 
bliadhna  so  le  deaeh  mhisnich,  a'  creidsinn 
bheil  ruintean  Dhe  d'  ar  taobh  na's  fhearr 
n&'dadhon  iarrtus  ar  cridheachan  fein.  G16 
bhitli'eanta  tha  sinne  a'  socruchadh  ar  cridh- 
eachaiiSir  iomadh  ni  nach  deanadh  ach  cron 


Jhuiun  na'n  tugaclh  Dia  dhuinn  iad,  ach 
faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  nach  cum  e 
bhuainn  ni  air  bith  a  bhiodh  a  chum  ar 
maith.  "An  Ti  nach  do  chaomhain  a  mhac 
fein  ach  a  thug  thairis  e  air  ar  son-ne, 
cionnus  maille  ris-san  nach  toir  e  mar  an 
ceudna  dhuinn  gu   saor  na  h-uile  nithe?" 

Aig  a  leithid  so  cle  am  tha  e  nadurra  gu'm 
biodh  daoine  a'  sealltainn  romhpa  agiis  a' 
cnuasachadh  'n  an  inntinn  ciod  a  tha  ai^'  a' 
bhliadhna  ur  'a  an  dan  dhaibh.  Ach  is 
maith  do  dhaoine  nach  'eil  fhios  aca  air  sin. 
Buinidh  an  diomhaireachd  sin  do  Dhia  a 
mhain.  Is  leor  dhuinne  fhios  a  bhi  againn 
gu  bheil  gach  cumhachd  air  thalamh  agus 
air  neamh  ann  an  lamhan  ar  n-Athar  agus 
gu'n  dean  esan  daonnan  an  ni  a  tha  ceart. 

Tha  Dia   "n  a  uile  shlighibh  ceart 
Is  naomh  'n  a  uile  ghniomh, 

Ach  ged  tha  tri  trianan  d'  ar  beatha  agus 
d'  ar  fortan  ann  an  lamhan  Dhe  tha  trian 
eile  'n  ar  lamhan  fein ;  theid  againn  air  a 
roghnachadh  co  dhiu  a  lubas  sinn  ar  toil  do 
Dhia  am  bliadhna  no  nach  lub.  Ma  bhios 
ar  toil-ne  an  aghaidh  toil  Dhe,  agus  ar 
cridheachan  a'  diultadh  gabhail  ris  an  tairgse 
a  tha  e  a'  toirt  dhuinn  anns  an  t-soisgeul, 
cha'n  urrainn  sinn  an  t-sith  sin  no  an  fhois 
cridhe  sin  a  mhealtainn  a  tha  e  a'  toirt  d'a 
shluagh.  Cha  mho  is  urrainn  sinn  earbsa  a 
bhi  againn  gu  bheil  sinn  fo  dhion  an  Tigh- 
earna  ann  an  seadh  air  bith  ach  an  seadh 
anns  a  bheil  creutairean  na  machrach  uile 
fo  a  dhion. 

Is  e  eagal  an  Tighearna  tus  a'  ghliocais ; 
tha  gealladh  na  beatha  a  ta  lathair  agus 
gealladh  na  beatha  a  ta  ri  teachd  aig  a' 
mhuinntir  a  ghluaiseas  an  eagal  Dhe  agus  a 
ni  toil  Dhe.  Cha'n'eil  cursa  na  beatha  so 
ach  g:oirid  eadhon  do'n  fheadhainn  as  fhaide 
a  gheibh  de  shaoghal  :  tha  moran  a'  geall- 
tainn  slneadh  laithean  dhaibh  fein  aig  tois- 
each  na  bliadhna  so  a  bhios  anns  an  t-sior- 
ruidheachd  m'  an  tig  i  gu  crich.  Ach  ciod 
air  bith  a  thachras  duinn  is  e  ar  dleasdanas 
agus  ar  gliocas  ar  tieh  a  chur  an  ordueh, 
aeus  ereim  a  dheanamh  air  an  dochas  a  thug: 
Dia  dhuinn  anns  an  t-soisgeul,  oir  cha'n'eil 
obair  no  aithreachag  anns  an  uaigh. 

'Se  nis  an  t-am  bhi  reidh  ri  Dia, 
'S  e  nis   an  t-am  thoirt  geill  do'n  Triath, 
Am  feadh  's  a  mhaireas  la  nan  gras 
Faodaidh  gach  neach  dol  as  o'n  bhas. 

"  Tha  mi  ae;  radh  so,  a  bhraithre,"  arsa 
Pol,  "  sju  bheil  an  aimsir  goirid  's  na  bheil 
ri  teachd,  chum  araon  gu'm  bi  iadsan  aig  a 


bheil  muathan,  mar  nach  biodli  mnathan 
aca ;  agus  iadsan  a  tha  ri  caoidh  mar  nach 
bitheadh  iad  ri  caoidh;  agus  iadsan  a  tha  ri 
gairdeachas  mar  mhuinntir  nach  'eil  ri  gair- 
deachas ;  agus  iadsan  a  tha  ri  ceannachd 
mar  dhaoine  nach  'eil  a'  sealbhachadh ;  agus 
iadsan  a  tha  .gnathachadh  an  t-saoghail  so, 
mar  dhream  nach  'eil  'g  a  mhi-ghnathach- 
adh;  oir  theid  sgiamh  an  t-saoghail  so 
seachad." 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Cha'n'eil  cimihachd  air  an  t-saoghal  cho 
laidir  ri  gradh  agus  ciiiine  agus  faighidin. 
An  coimeas  ri  fearg  no  corruich  tha  gradh 
mar  tha  a'  ghrian  an  coimeas  ris  an  stoirm. 
Ni  feartan  caomh  na  gr6ine  miorbhuilean 
nach  b'  urrainn  gaoth  no  doinionn  a  dhean- 
amh. 

Ged  tha  Criosd  a'  gairm  a  dheisciobuil  gu 
cath  is  comhrag  an  aghaidh  naimhdean  a 
rioghachd,  cha'n  ann  le  claidheamh  no  le 
neart  a  tha  e  ag  iarraidh  orra  cothachadh  'n 
an  aghaidh,  ach  le  ciuine  agus  faighidin. 
Iadsan  a  bhios  a'  mionnachadh  no  a'  niaoidh- 
eadh,  a  bhios  a'  feuchainn  ri  toil  dhaoine 
eile  a  lubadh  le  eagal  no  lamhachas-laidir, 
cha  bhuin  iad  do  fhior  chomunn  na  riogh- 
achd a  thainig  Criosd  a  chur  air  chois.  Bha 
la  ann  a  bha  mise  an  duil  gu'n  tugadh  argu- 
maid  no  reusonachadh,  agus  eadhon  tajoaid 
air  a  sgath,  taic  do  fhireantachd,  ach  tha  mi 
a  nis  ag  aideachadh  gu  robh  mi  fada  cearr. 
Cha'n  oibrich  fearg  duine  fireantachd  air 
thalamh.  Cha  tig  toradh  na  fireantachd  a 
rud  air  bith  ach   a  spiorad  a'  ghraidh. 

An  uair  a  chi  sinne  gniomh  olc  'g  a  dhean- 
amh, no  a  chluinneas  sin  iomradh  air,  is  e  a' 
cheud  smuain  a  thig  'n  ar  n-inntinn  an  t-olc 
sin  a  chur  fo  smachd,  agus  a  chur  fo  smachd 
le  neart  ar  gairdein  ma  dh'  fheumar ;  ach 
b'e  a'  cheud  smuain  a  thigeadh  ann  an  inn- 
tinn Chriosd  cridhe  an  duine  no  nan  daoine 
a  rinn  an  t-olc  atharrachadh.  Bha  e  coma 
ciamar  a  bheanadh  an  t-olc  ris  fein,  no  ciod 
an  dolaidh  a  dheanamh  e  air ;  cha  robh  e 
idir  a'  smuaineachadh  uime  fein,  no  m'a 
choraichean  fein.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d' 
iarr  e  air  a  chairdean  an  leth-cheann  eile  a 
thionndadh  ri  duine  air  bith  a  bhualadh  iad 
am  feirg.  Cha'n  urrainn  thusa  no  mise,  le 
ro-churam  a  ghabhail,  duine  eile  iompach- 
adh  no  a  chridhe  atharrachadh,  ach  de  na 
h-uile  dhoighean  a  dh'  fheuchadh  riamh  sud 
an  d^iffh  as  d^cha  cridhe  an  eucoraich  athar- 
rachadh, an  leth-cheann  eile  a  thionndadh 
ris  agus  gun  chur  'n  a  aghaidh.     Ma  bheir 


e  oa-t  dol  mile  lei;?  rach  mile  eile  leis;  ma 
l.heir  e  bhuait  do  chota  thoir  dha  gu  r^idh 
e,  agiis  an  ci^rr  de  d'  aodacli  cuideachd. 

Na'n  deanadh  daoine  so  ciod  a  thachradh  ? 
Thachradh  gu'n  coisneadh  iad  am  beatha 
agus  gu'n  tugadh  iad  taic  do  fhireantachd 
eadhon  ged  chailleadh  iad  an  cuid.  Ach  a 
reir  teagasg  Chriosd  cha'n'eil  beatha  duine 
anns  na  nithean  a  tha  e  a'  sealbhachadh. 
Agus  na'n  deanadh  rioghachdan  so  thach- 
radh a  cheart  ni.  Theagamh  gu'n  rachadh 
an  lioghachd  a  dheanadh  e  sios  anns  an 
t-seadh  gu'n  cailleadh  i  a'  ghloir  shaoghalta 
sin  as  am  bi  rioghachdan  a'  deanamh  uaill, 
ach  'n  a-dol-sins  bheireadh  i  fianuis  mu  fhir- 
eantachd do'n  t-saoghal  nach  tug  i  riamh 
dha  le  a-dol-suas.  Cha  'n  urrainn  duine  air 
bith  a  radh  le  cinnt  no  le  ughdarras  nach 
gabh  aicheadh  gu'm  biodh  droch  dhaoine  air 
an  iompachadh  uile  na'n  robh  an  doigh  so  air 
a  ghabhail  orra,  ach  faodar  a  radh  gu'n  d' 
fhuair  na  d^ighean  eile  anns  a  bheil  daoine 
a'  cur  an  earbsa  uine  gu  leoir  iad  fhein  a 
dhearbhadh,  agus  nach  d'  oibrich  iad  ach  gu 
bochd.  Tha  an  t-am  aig  an  t-saoghal 
tilleadh  air  ais  gu  Criosd  agus  a  dh^igh-san 
fheuchainn ;  na'n  deanadh  an  saoghal  sin 
theagamh  gu'm  faiceadh  e  nithean  miorbhuil- 
each  agus  nithean  gl6rmhor  ris  nach  robh 
fiughair  aige. 

Bha  tuathanach  diadhaidh  ann  an  Cille- 
sgumain  air  an  do  ghoideadh  seachd  ba- 
gaichean  sil.  An  aite  a  ghearan  a  dhean- 
amh  ri  baillidh  no  conastabal  sgrlobh  e 
paipear  agus  chuir  e  ri  dorus  na  h-eaglais 
e.     B'e  so  a  bha   air   a'   phaipear  : — 

Cb  air  bith  a  ghoid  siol  as  an  t-sabhal 
agam-sa,  bu  mhaith  leam  fhios  a  bhi  aige 
nach  'eil  mi  a'  ciallachadh  rannsachadh 
air  bith  a  dheanamh  mu'n  ghnothuch. 
Ma's  e  an  eiginn  a  thug  air  a  dheanamh, 
bu  mhaith  leam  a  chuideachadh  agus 
feuchainn  ri  beo-shlainte  fhaotainn  dha 
ann  an  doigh  air  chor-eigin  nach  toir  oil- 
bheum  do  Dhia  no  d'a  choguis.  Ma  bheir 
e  cothrom  dhomh  cobhair  a  dheanamh  air 
cha  bhi  fhios  aig  duine  eile  gu  brath  air. 

Chuir  e  ainm  ris  a'  phaipear  agus  chroch 
e  ri  dorus  na  h-eaglais  e,  ach,  rud  neonach, 
cha  do  rinn  am  paipear  ach  gaireachduinn 
is  g-oileab  neo-Chriosdail  a  thoirt  air  a' 
chuid  mhor  de'n  choimhthional,  ged  nach 
robh  aon  fhacal  air  nach  robh  a  r^ir  an 
leabhair  naoimh  as  an  do  leus'h  an  t-Urra- 
mach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  facal  an 
Tighearna  dhaibh    a'  mhaduinn   ud. 

Ach  coma  co  dhiu,  oidhche  Diciadaoin  an 
uair  a  bha  an  tuathanach  aeus  a  bhean  a' 
gabhail  mu  thamh  thainig  ceum    gu  fMIidh 


a  dir  ionnsuidh  an  dornis,  agtis  an  sin  guog, 
gnog,  gnog,  tri  uairean. 

Dh'  fhosgail  an  tuathanacli  an  dorus;  cha 
do  leig  e  leas  fhoighneachd  c6  a  bha  aige  no 
ciod  a  ghnothuch  cho  anmoch,  oir  dh'  innis 
aogasg   is  giulan  an   duine  a  thurus. 

Ciod  a  bha  eadar  riu  cha'n  urrainn  mise 
innseadh,  agus  cha'n  innsinn  e  ged  b' 
urrainn  domh,  oir  tha  nithean  ann  air  am 
maith  le  Dia  f^in  agus  leis  na  h-ainglean 
naomha  foluch  a  chur.  Ach  faodaidh  mi  a 
radh  gu'm  b'e  sud  a'  cheud  mheirle  agus  a' 
mheirle  mu  dheireadh  a  rinn  an  duine.  Tha 
facal  an  Tighearna  ag  innseadh  dhuinn  gu'n 
treoraich  e  na  daoine  macanta  ann  am 
breitheanas :  bha  macantas  an  tuathanaich 
agus  a  ghradh  air  am  beannachadh  da  uair; 
air  am  beannachadh  dha  fein  agus  air  am 
beannachadh  do'n  chiontach.  Na'n  do' stuig 
e  abhagan  an  lagha  anns  an  duine  theagamh 
nach  tigeadh  as  a  sin  ach  gu'm  biodh  a  shith 
f6in  air  a  milleadh  agus  gu'm  biodh  an 
duine  air  a  chruadhachadh  na  bu  chruaidhe 
anns  an  olc. 


BOIRIONNAICP  ANNS  A'   CHUBAID. 

Theagamh  nach  fhaic  mise  e,  ach  thig  an 
la,  agus  cha'n'eil  e  idir  fad  air  falbh,  anns 
am  bi  dreuchd  na  ministrealachd  aii  a  fos- 
gladh  do  bhoirionnaich  an  eaglais  na  h-Alba. 
Na'n  robh  a'  cheist  air  a'  deasbud  an  diugh 
anns  an  Ard-Sheanadh,  am  bu  chor  an  dorus 
a  bhi  air  fhosgladh  dhaibh,  cha  bhiodh  ach 
gl6  bheag  anns  an  t-Seanadh  a  bhiodh  air 
son  sin  a  dheanamh.  Ach  anns  na  laithean 
so  tha  e  a'  tachairt  gu  trie  gu  bheil  nithean 
ris  an  do  chuir  an  duthaich  cul,  an  uair  a 
bha  iad  air  an  deasbud  an  6isdeachd  an  t- 
sluaigh,  air  gabhail  riu  an  deidh  laimhe  gun 
deasbud  idir.  A  bheil  so  _a'  ciallachadh 
nach  e  solus  reusain  idir  a'  chombaist  leis 
a  bheil  an  rioghachd  a'   stiiiradh  a  cursa? 

Gun  dol  na's  fhaide  na  na  boirionnaich 
fhein;  anns  a'  bhliadhna  1914  cha  robh 
beachd  air  bith  aig  a'  mhor-chuideachd  de 
mhuinntir  na  diithcha  air  vote  a  thoirt  do 
bhoirionnaich ;  ach  beagan  uine  'n  a  dh^idh 
sin  fhuair  iad  i  gun  uiread  agus  argumaid 
a  dheanamh  as  an  leth  fein,  agus  a  nis 
thatar  a'  tairgsinn  vote  do  mhiltean  de  chail- 
eagan  oga  nach  'eil   'ga  h-iarraidh. 

Anns  a'  bhliadhna  1950,  no  uime  sin,  ni 
an  t-Ard-Sheanadh  lagh  gu'm  bi  dreuchd 
na  ministrealachd  air  a  fosgladh  do  bhoir- 
ionnaich, agus  is  e  an  eieinn  a  bheir  air  an 
t-Seanadh  sin  a  dheanamh ;  gainne  mhinis- 
tearan,     Cha'n'e  lughad  an  tuarasdail  a  thf\ 


cumail  dhaoine  oga  air  an  ais  o'n  uihinis- 
trealachd,  ach  aobharan  eile  nach  'eil  e 
fui^asda  ainmeachadh  air  an  ceann.  Tha 
deagh  thuarasdal  aig  maighstirean-sgoile  an 
diugh  seach  mar  bha  iad  aon  uair,  ach  tha  na 
fir  cho  graineach  air  teagasg  anns  an  sgoil 
's  a  tha  iad  air  teagasg  anns  a'  chubaid. 

Cha  bu  mhaith  leam-sa  cuinneag  de  uisge- 
fuar  a  dhortadlr  air  ceann  nam  ban,  ach  air 
a  shon  sin,  bha  cho  mhaith  leam  gun  am 
faicinn  anns  a'  chubaid.  Na'n  robh  mi  air 
mo  chur  thuige  bheirinn  freagradh  do  dhuine 
air  bith  a  dh'  iarradh  orm  reuson  a'  chreid- 
imh  a  tha  annam,  ach  faodaidh  mi  so  a  radh, 
nach  bu  mhaith  do'n  t-saoghal  gu'm  biodh 
Pol  an  eisiomail  nam  ban.  Cha  toigh  leis 
na  mnathan  Pol.  Sin  agad  rud  a  tha  cho 
fior  's  ged  bhiodh  e  air  a  radh  le  Pol  fein. 


CUMHACHD  AN  T-SOLUIS. 

An  la  roimhe,  ann  an  oisein  de'n  phaipear- 
naigheachd  ris  an  abrar  An  t-Alhannach, 
mar  gu'm  biodh  an  rud  'n  a  rud  cho  suar- 
rach  's  nach  b'  fhiach  do  mhuinntir  a'  phaip- 
eir  aite  a  b'  fhearr  a  thoirt  da,  leugh  mi 
naigheachd  a  chuir  ionghnadh  nach  bu  bheag 
orm.  Ma  tha  an  naigheachd  fior,  is  tha  mi 
an  dull  gu  bheil,  tha  i  a'  toirt  nithean  son- 
I'uichte  gu  aire  dhaoine  a  tha  moran  na's 
cudthromaiche  agus  na's  soluimte  na  dad  a 
chaidh  a  labhairt  am  Parlamaid  Bhreatuinn 
bho  chionn  bliadhna. 

Bha  paisde-diolain  aig  buirionnacli  anns  a' 
Ghearmailt,  is  thug  i  a  mionnan  gu'm  b'e 
athair  a'  phaisde  duine  sonruichte  air  an 
robh  i  'ga  chur.  Dh'  aichaich  an  duine  gu 
laidir  nach  b'  esan  athair  a'  phaisde,  agus 
chaidh  an  gnothuch  gu  lagh.  A  reir  choslais 
theid  aig  na  dotairean  Clearmailteach  air  a 
dheanamh  a  mach  co  dhiu  a  tha  full  aon 
duine  de'n  cheart  sheorsa  ri  full  duine  eile. 
Thugadh  fuil  as  an  triuir;  as  an  leanabh,  a 
niathair  an  leinibh,  agus  as  an  fhear  air  an 
robh  i  'g  a  chur.  Thubhairt  na  dotairean, 
an  deidh  dhaibh  an  innleachdan  a  chleach- 
dadh,  nach  robh  buintealas  air  bith  aig  fuil 
an  fhir  ri  fuil  an  leinibh  agus  nach  b'  e  an 
duine  athair  a  phaisde  idir.  Ghabh  a' 
chuirt  ri  fianuis  nan  dotairean,  agus  bha 
am  boirionnach  air  a  peanasachadh  air  son 
mionnan-eithich  a  thabhairt. 

Ma  tha  an  naigheachd  so  fior,  agus  ma 
theid  aig  na  dota-rean  air  lomhaigh  dhaoine 
a  lorgachadh  anns  an  fhuil,  c6  a  theireadh 
nach  'eil  adhartas  a'  tighinn  air  an 
t-saoghal  1 

Tha  adhartas  a'  tighinn  air  an.  t-saoghal 
gim  sgur ;  tha  an  soul's  a'  fas  agus  a'   fas; 


agus  is  ann  ann  am  fas  an  t-soluis  a  tha 
dochas  an  t-saoghail.  Cha  'n  urrainn  mac 
an  duine  dad  a  dheanamh  an  aghaidh  na 
firinn  air  a'  cheann  mu  dheireadh,  oir  tha 
gach  ni  ann  an  cruthachadh  Dhe,  gach  lagh 
agus  gach  cumhachd,  air  taobh  na  firinn. 
Tha  laghannan  is  feartan  a'  chruinne-ce  air 
an  steidheachadh  air    an  fhirinn. 

A  mach  o  ainm  urramach  an  Tighearna 
cha'n'eil  rud  eile  air  thalamh  a  tha  cho  air- 
idh  air  a  mholadh  ri  inntinn  mhic  an  duine. 
Coma  leam  daoine  a  bhios  a'  cur  sios  air 
sgoilearan,  agus  air  luchd-ealain,  ag  iarr- 
aidh  teadhair  a  chuir  orra  agus  buarach, 
mar  nach  biodh  e  sabhailte  an  leithidean  a 
bhi  mu  reir.  Ciod  a  tha  an  sin  ach  an 
dearg  aineolas?  Cha  'n  urrainn  duit  buarach 
no  teadhair  a  chur  air  an  fhirinn  no  air  an 
t-solus.  Agus  cha'n'eil  ach  aon  doigh  air 
ruighinn  air  an  fhirinn  agus  air  an  t-solus, 
leigeil  le  inntinn  mhic  an  duine  gach  cuis  a 
rannsachadh.  Rud  air  bith  nach  seas  ri 
rannsachadh  nan  linntean  cha'n'eil  e  fior. 

Ged  is  mor  an  t-urram  a  bhios  righrean 
agus  commandairean  airm  a'  faotainn  is 
beag  rnaith  a  rinn  righrean  no  saighdearan 
anns  an  t-saoghal  riamh  an  coimeas  ri  sgoil- 
earan agus  luchd-ealain  agus  speuradairean. 
Sin  na  daoine  a  tha  fosgladh  gheatachan 
dhuinn   do  thir  a'   gheallaidh. 

Cha  'n  aithne  dhomhsa  ainm  an  dotair  ud 
no  an  fhir-ealain  ud  a  rainig  an  toiseach  air 
diomhaireachd  na  fala,  leis  am  bi  ceartas 
agus  firinn  air  an  daingneachadh  gu  brath, 
ach  rachainn  air  mo  dha  a'hluin  'n  a  lathair 
agus  chuirinn  dhiom  mo  bhoinneid  dha,  agus 
dh'  aidichinn  gu'm  buin  e  do  chomunn  uasal 
aan  daoine  seimh  agus  faighidinneach  a 
cheannsaich,  tre  chreideamh,  rioghachdan 
lira  agus  a  dh'  oibrich  fireantachd.  Mu 
choinneamh  an  aon  Ho-re  a  bheirinn  do  Haig 
no  do  Hindenlnirg  blieirinn  Ho-rc  ar  fhichead 
dhasan. 

Tha  an  luchd-lagha  ag  innseadh  dhuinn 
gu  bheil  mionnan-eithich  air  an  tabhairt 
na's  bitheanta  an  cuirtean-lagha  an  diugh 
na  bha  iad  roimh  so.  Ma  tha,  is  leor  a' 
bhochdainn  sin  air  an  duthaich.  Anns  na 
leabhraichean  seisein  a  bhios  mise  air 
uairean  a'  leughadh  bidh  mi  a'  faicinn  mu 
mhinistearan  agus  mu  fhoirbhich  a  bhiodh 
a'  ceasnachadh  fhianuisean  fad  sheachduin- 
ean  a  dh'  fheuchainn  am  faigheadh  iad 
athair  do  phaisde-diolain,  agus  a  dh'  ain- 
de^in  am  boicinn  bhiodh  mionnan-eithich  air 
an  tabhairt  an  drasd  's  a  rithist,  ach  ni  na 
dotairean  Gearmailteach  a  mach  am  beagan 
mhionaidean  an  diugh  rud  a  dh'  fhairtlich- 
eadh  air  seiseinean  na  Cleire  ered  shuidheadh 
iad  fad  mlos  'g  a  rannsachadh. 


Air     2. 


1928. 


MAOIS  AGUS  PHARAOH. 

Agus  criiaidhichidh  mise  cridhe  Pharaoh, 
agus  ni  mi  mo  chomharran  agus  m'  iongan- 
tasan  lidnmhoi-  anii  an  tlr  na  h-Eiphit — 
Ecsodus  vii.  3. 

Anns  na  caibidealan  de'n  Bhiobull  anns 
a  bheil  ©  air  innseadh  mar  a  shaor  Dia  clann 
Israeli  as  an  daorsa  anns  an  robh  lad  anns 
an  Eiphlt  tha  lomadh  leasan  air  a  theagasg 
dulnn  a  thaobh  na  beatha  so  agus  a  thaobh 
freasdal  Dhe.  A  thuilleadh  air  sin,  tha  an 
naigheachd  mar  gu'm  blodh  sgathan  anns 
am  falcear  dealbli  agus  lomhaigh  Mhaois, 
duine  diadhaidh  agus  dulne  macanta,  agus 
dealbh  agus  lomhaigh  Pharaoh,  an  righ 
ualbhreach  a  chruadhaich  a  chrldhe  an 
aghaldh  facal  lehobhah. 

Thoisich  a'  chomhstrl  eadar  an  dithls 
dhaoine  so  an  uair  a  chaldh  Maols  a  steach 
a  dh'  lonnsuldh  an  righ  agus  a  thubhairt  e 
ris  gu'n  d'  iarr  Dia  Israeli  air  leigeil  le 
shluagh  dol  tri  lalthean  do'n  fhasach,  a  chum 
feill  a  choimhead  dha.  Fhreagalr  Pharaoh 
nach  b'  aithne  dhasan  lehobhah  agus  nach 
robh  ughdarras  air  blth  alg  Dia  Israeli 
thairis  air,  agus  mar  sin  nach  leigeadh  e  le 
shluagh  imeachd.  Bha  amharus  aige  nach 
robh  ann  an  turns  an  fhasaich  ach  lethsgeul, 
lethsgeul  air  son  sgur  d'an  obair,  is  dh' 
aithn'  e  do  Mhaois  agus  do  Aaron  gun  iad  a 
bhi  cur  smuaintean  d©  'n  t-seorsa  sin  an 
ceann  an  t-sluaigh. 

Bha  cor  sluagh  Israeli  mar  so  na  bu  mhiosa 
na  bha  e  riamh ;  leag  Pharaoh  sac  iir 
orra  los  an  sarachadh  agTis  los  an 
spiorad  a  bhriseadh.  Bha  Maols  air 
a  ghonadh  'n  a  chrldhe  an  uair  a  chunnaic 
e  an  lamhachas-laidir  a  bha  Pharaoh  a'  dean- 
amh  air  Israel,  ach  bha  e  air  a  ghonadh  na 
bu  mhiosa  air  fad  an  uair  a  thoisich  mulnn- 
tir  Israeli  fein  air  a  radh  gu'm  biodh 
cuisean  na  b'  fhearr  d'  an  taobh  na  'n  d'  fhan 
esan  agus  Aaron  gun  dol  's  an  eadarginn. 
"  Rinn  sibh,"  ars'  iadsan  "  ar  falle  grain- 
ell  an  lathalr  Pharaoh  agus  an  lathalr  a 
sheirbhisich,  a  cur  claidheimh  'n  an  laimh  a 
chum  sinne  a  mharbhadh." 

Bha  Maols  eadar  a'  bhaobh  's  a'  bhuarach  ; 
air  a  dhimeas  le  Pharaoh  agus  air  a  chur 
air  chul  le  a  dhaofne  f61n.  Ach  ged  bha  a 
chrldhe  air  a  ghoirteachadh  le  achmhasan  a 
bhralthrean  cha  do  fhreagalr  e  ann  am  felrsr 
no  ann  an  cabhaig  ;  "  phill  e  a  dh'  lonnsuldh 
an  Tiehearna,"  mar  tha  am  fear  a  sffrlobh 
an  naieheachd  ag  r&dh,  "agus  ri  Dia  dh'earb 
e  a  ch^ls." 

Tha  na  briathran   a  labhair  ©  ri  Dia  ffu 


malth^laidir  agus  gu  malth  dana;  cha  mhor 
nach  'ell  lad  cho  dana  ris  na  briathran  a 
labhair  lob  ris  an  Uile-Chumhachdach  ann 
an  searbhadas  anama.  Gidheadh  cha  do 
pheacaich  Maols  no  lob  le  am  bilean,  oir 
thubhairt  iad  na  thubhairt  iad  ann  an  ion- 
racas  agus  ann  an  treibhdhireas  an  cridhe, 
agus  is  toigh  le  Dia  firinn  anns  an  taobh-a- 
stigh.  Cha  talnig  e  riamh  a  steach  ann  an 
crldheachan  pheacach  na  nithean  a  bhlos  na 
naoimh  air  uairean  ag  radh  'n  an  cridhe  ri 
Dia,  nithean  cho  dana  agus  cho  Ian  de  as- 
creideamh  's  gu  'n  cuireadh  iad  golrlsinn  air 
feoil  nam  peacach.  Ach  is  aithne  do  Dhia 
ar  dealbh  ;  is  cuimhne  lels  gur  duslach  sinn, 
agus  cha  ohaill  e  fhaighidlnn  ri  daoine  a  tha 
an  cridhe  dileas  da  agus  am  beatha  ceart  ged 
labhradh  iad  gu  h-amaldeach  an  uair  a  tha  a 
fhreasdal  a'  dol  os  cionn  an  tuigse  agus  nach 
gabh  a  shllghean   rannsachadh. 

Cha  do  fhreagalr  Dia  a'  chasaid  a  rinn 
Maols  'n  a  aghaldh,  ach  air  a  shon  sin 
fhreagalr  e  e  ann  an  doigh  eile;  dh'  fholll- 
sich  e  e-feln  dha  as  ur,  is  thug  e  a  leithid  de 
dhearbhachd  dha  mu  a  rulntean  's  gu  'n 
deaohaldli  Maols  a  mach  a  lathalr  an  Tigh 
earna  le  mlsneach  ur  is  dochas  ur  'na  chrldhe. 

Sin  mar  tha  Dia  a'  freagairt  urnuighean 
agus  gearan  a  shluaigh  daonnan.  An  uair  a 
tha  iad  air  an  teannachadh  agus  a  tha  an 
sllghe  dorcha  no  crualdh,  agus  a  theid  iad 
air  an  gluinean  ag  iarraidh  comhairle  agus 
culdeachadh  bho  Dhia,  cha  'n  e  a  tha  tachairt 
mar  is  trice,  gu  bheil  Dia  a'  toirt  air  falbh 
an  ni  a  tha  cur  eagail  orra  ach  gu  bheil  e 
a'  toirt  daibh  anns  a'  cho-chomunn  a  tha 
aca  ris  tre  urnulgh  a  leithid  de  dhearbhachd 
uime  fein,  a  ghradh  agus  a  throcair  agus  a 
ghliocas,  's  gu  bheil  an  ni  a  bha  cur  dragh 
orra  a'  tuiteam  air  falbh  as  an  t-sealladh 
mar  nach  robh  e  riamh  ann. 

Dh'  iarr  Dia  air  Maois  an  dara  uair  dol 
agus  iarraidh  air  Pharaoh  a  shluagh  a  leijj- 
eil  air  falbh,  ach  a  lis  chruadhaich  Pharaoh 
a  chrldhe  agus  cha  leigeadh  e  as  iad.  A 
thaobh  nam  plaiehean  a  thainiff  air  an 
Eiphit,  agus  a  bhris  spiorad  ualbhreach  an 
rieh  air  a  cheann  mu  dheireadh,  cha  ruig-ear 
a  leas  a  radh  ach  so,  nach  'ell  ulread  bualdh 
as'us  a  shaoileamaid  aia*  plaiarh  is  o-ort  is 
miorbhullean  air  aithreachas  a  dhiisgadh 
ann  an  crldheachan  dhaoine,  no  air  g-liocas 
a  theaeass:  daibh.  "  Mur  ^isd  lad  ri  Maoia 
agus  ris  na  fMdhean  cha  mh6  a  dh'  (^isrlpnrlh 
iad  ged  dh'  61readh  neach  o  tip  marbhalbh." 
Mur  eisd  daoine  ri  lagh  an  TIghearna  no  ri 
soisgeul  a  Mhic  cha  mh6  a  dh'  ^isdeadh  iad 


ged  thigeadh  breitiieanas  o  neamh  air  an  talamb. 

Gun  teagamh  rinn  Dia  a  chomharran 
agus  iongantasan  lionmhor  ann  an  tir  na 
h-Eiphit,  ach  ciod  a  theirear  ris  a'  chuid  eile 
de  'n  rann  so,  cruaidhichidh  mise  C7-idhe 
Pharaohl  A  bheil  so  a'  ciallachadh  nacli 
robh  ann  am  Phai-aoh  ach  dotaman  no  gille- 
mirein  ann  an  laimh  an  Tighearna ;  gu  robh 
an  Tighearna  'g  a  iomain  air  aghaidh  agus 
'g  a  dheanamh  danarra  'n  a  cheart  deoin. 
Cha'n  'eil  na  briathran  a'  ciallachadh  sin, 
oir  tha  Dia  ceart  'n  a  uile  shlighean  is 
naomh  'n  a  uile  ghniomharan.  Cha'n  'eil 
Dia  a'  cruadhachadh  duine  air  bith  anns  an 
olc.  Cha'n  'eil  anns  an  fhacal  so  ach  doigh- 
labhairt  a  bha  aig  na  seann  diadhairean 
ludhach.  Bha  a  leithid  de  fhaireachduinn 
aca  a  thaobh  ard-uachdranachd  Dhe  's  gu'm 
biodh  iad  a'  labhairt  mu  nithean  a  rinn 
daoine  mar  gu  'n  i-obh  iad  air  an  deanamh  le  Dia. 

Ach  CO  dhiu,  tha  fhios  againn  gu  maith  gu 
bheil  an  rud  bronach  so  a'  tachairt  trie  gu 
le6ir  ann  am  beatha  dhaoine ;  gu  bheil 
cridheachan  dhaoine  air  an  cruadhachadh  an 
da-rireadh.  Ach  cha  'n  e  Dia  a  tha  'g  an 
cruadhachadh.  Mar  a  thubhairt  an 
t-Ollamh  Mac  Iain  ri  duine  a  bha  feuchainn 
ri  sparradh  air  le  argumaidean  innleachdach 
nach  'eil  saorsa  toile  aig  mac  aji  duine, 
"Uist  a  dhuine  gun  tiir,"  ars'  esan,  "tha 
fhios  againn  gu  hheil  saorsa  ar  toile  againn, 
agus  na  biodh  o.n  corr  uime.'''  Gach  uair  a 
dh'  fheumas  sinn  roghainn  a  dheanamh 
eadar  am  maith  agus  an  t-olc,  eadar  lagh 
Dhe  agus  toil  na  feola,  tha  fhios  againn  nach 
e  cumhachd  air  bith  a  tha  'g  ar  n-iomain, 
ciod  air  bith  an  roghainn  a  ni  sinn,  ach  ar 
saor  thoil  fein.  Ma  roghnaicheas  sinn  an 
t-olc,  agus  gu'm  bi  aithreachas  oirim  an 
deidh  laimhe  gu  'n  do  rinn  sinn  sin,  ciod  a 
tha  anns  an  aithreachas  sin  ach  fianuis  gu 
robh  ar  toil  saor. 

Their  daoine  nach  'eil  e  ro  anmoch  aith- 
reachas a  dheanamh  eadhon  aig  an  aon  uair 
deug,  ach  cha'n  'eil  sin  fior.  Co  dhiii  cha'n 
'eil  an  fhirinn  uile  ann.  Cha'n  'eil  e  uair 
air  bith  ro  anmoch  aithreachas  a  dheanamh 
mur  biodh  againn  ri  sealltainn  air  ach  tro- 
cair  an  Tighearna.  Tha  trocair  an  Tigh- 
earna daonnan  cinnteach,  agus  cha  tilg  e  a 
mach  neach  air  bith  a  thig  'g  a  ionnsuidh. 
Ach  ann  an  tearnadh  an  anama  feumaidh 
toil  an  duine  comh-oibreachadh  maille  ri 
trocair  an  Tighearna,  agus  faodaidh  cum.h- 
achd  a'  pheacaidh  tighinn  gu  leithid  de  Ire 
ann  am  beatha  duine  's  nach  bi  iarraidh 
aige  na  's  fhaide  air  trocair  fhaotainn  :  bidh 
a  thoil  fo  dhaorsa  aig  Satan  mar  bha  an 
duine  a  chunnaic  Crioeduidh  anns  a'  chliabh 
iaruinn.  Sin  an  staid  as  miosa  as  urrainn 
am  peacach  a  ruighinn ;  an  uair  a  thig  cruas 
a  chridhe  gua  an  &irde  so  ciod  is  urrainn  Dia 


fcin  a  radh  )is  ach  mar  a  thubhairt  e  ri 
Ephraim,  "Tha  Ephraini  air  a  cheangal  r'a 
iodhalaibh :  leigibh  leis."  An  diugh,  an 
diugh,  tha  facal  an  Tighearna  ag  radh,  "ma 
chluinneas  sibh  mo  ghuth  na  cruadhaichibh 
"ur  cridhe." 

ANNS  A  CHATHAIR. 

Air  feasgar  na  Sabaid  bha  Iain  Mac  Coin- 
nich  agus  a  bhean  'n  an  suidhe  aig  an  teine, 
a'  seanchas  mu  nithean  soluimte  a  bha  frea- 
garrach  do'n  la  naomh.  Bha  iad  anns  an 
eaglais  air  da  cheann  an  la;  anns  a' 
mhaduinn  b'e  an  ceann-teagaisg  a  bha  aig 
an  Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D., 
"  So  na  nithe  a  ni  sibh;  Labhraibh,  gach 
neach  an  fhirinn  r'a  choimhearsnach " 
{Sechariah  viii.  16),  agus  anns  an  fheasgar 
b'e  an  ceann-teagaisg  a  bha  aige,  "  Feuch, 
is  ionmhuinn  leat  an  fhirinn  's  an  taobh-a- 
stigh  "  (Salm  li.   6). 

Am  measg  nithean  eile  a  thubhairt  am 
ministear  thubhairt  e  gu'm  biodh  an  saoghal 
fada  na  b'  fhearr  na  tha  e  na'n  labhradh 
daoine  an  fhirinn  daonnan;  na'n  labhradh 
iad  i  ann  an  cuisean  beaga  mar  a  ni  iad  ann 
an  cuisean  mora;  na'n  labhradh  iad  i  aig 
taobh  an  teallaich  mar  a  ni  iad  air  beulaobh 
an  t-siorram.  Thubhairt  e  cuideachd  gu'm 
biodh  an  saoghal  fada  na  b'  fhearr  na  tha  e 
na'm  biodh  teaghlaichean  is  coimhearsnaich, 
fir  is  mnathan,  braithrean  is  peathraichean, 
cho  dileas  d'a  cheile  's  gu 'n  innseadh  iad 
am  failingean  do  chach  a  cheile,  a'  labhairt 
na   firinn  ann  an  spiorad  a'  ghraidh. 

Dhruidh  an  da  shearmon  vid  air  inntinn 
bean  Iain  Mhic  Coinnich  cho  mor  's  gu  'n 
dvibhairt  i  ri  Iain  air  feasgar  na  Sabaid, 
"  Iain,  eudail,  dean  thusa  mar  a  dh'  iarr  am 
ministear  oirnn  a  dheanamh  agus  innis 
dhoanhsa  ma  thu  a'  faicinn  rud  air  bith 
annam  nach  'eil  uile  gu  leir  a  reir  t'  inntinn ; 
faodaidh  failing  bheag  air  chor-eigin  annam 
a  bhi  soilleir  do  d'  shuil  ghradhaich-sa  air 
nach  'eil  mi  fein  mothachail." 

"A  Sheonaid  a  luaidh,  ma  bha  suil  duine 
riamh  gradhach  tha  mo  shuil-sa  mar  sin  an 
uair  a  laigheas  i  air  do  chreubhaig  luraich 
fein,  agus  cuiridh  an  gradh  foluch  air  moran 
pheacanna." 

Cha  do  chord  an  tionndadh  so  uile  gu  16ir 
ri  Seonaid,  is  thubhairt  i  gu  maith  aith- 
ghearr,  "  Cha  b'  ann  air  peacanna  a  bha 
mise  a'  bruidhinn  idir  ach  air  fMlingean ; 
na  failingean  sin  a  dh'  fhaodas  a  bhi  anns 
na  daoine  as  fhearr  air  thalamh  ;  taing  do 
Ni-maith  nach  do  rinn  mise  riarah  dad  a 
bheireadh  naire  dhomh  ged  bhiodh  fhios  aig 
an  t-saoQ,hal  uile  air,  ach  cha'n  'eil  duine 
air  bith  iomlan  is  cha'n  'eil  mi  ag  radh  nach 
'eil  iomadh  failing  annam  air  nach  'eil  mi- 
f6in  mothachail." 


"  Cha  'n  abair  mise,  a  Sheonaid,  gu  bheil 
thu.sa  iomlau,  oir  bhiodh  mu  an  aghaidh  na 
tha  an  Leabhar  Naomh  ag  innseadh  dhuinn, 
ach  theirinn  gu'm  bitheadh  tu  na  bu  dluithe 
do  iomlanachd  (agus  cuimhnich  gu  bheil  mi  a' 
labhairt  na  firinn  ann  an  gradli)  na'n  robh 
thu  rud  beag  na  bu  reidhe  'n  ad  nadur,  oir 
tha  fhios  agad  fhein,  a  luaidh,  gu  bheil 
Solamh  ag  radh  gur  fhearr  comhnuidh  a 
ghabhail  ann  am  fasach  na  maille  ri  mnaoi 
aimhreitich  agus  fheargaich." 

Thainig  teine-adhair  ann  an  suil  Seonaid 
is  thug  a  deud  ard  snag  air  a  deud  iosal  mar 
gu  'n  cluinneadh  tu  trap  radan  a'  dimadh. 
"Bean  aimhreiteach  agus  fheargach!"  ars' 
ise,  "  taing  dhuit,  Iain,  air  son  an  teistean- 
ais  sin  air  do  mhnaoi,  agus  e  air  a  sheulach- 
adh   le  Solamh, — urrainn   ghasda  !" 

Ged  bhiodh  mo  pheann-sa  na  b'  fhearr  na 
tha  e  cha  bhiodh  e  comasach  dhomh  innseadh 
dhuit-sa,  a  leughadair,  an  tair  agus  an  nimh 
niagail  a  chuir  bean  Iain  Mhic  Coinnich  anns 
an  da  fhacal  sin,  urrainn  ghasda  !  Thois- 
ich  i  air  gliugail  chaoinidh ;  "  Ma  rinn  bean 
riamh  air  thalamh  a  dleasdanas  d'a  fear  agus 
d'a  teaghlach  rinn  mise  mo  dhleasdanas  duit- 
se  agus  d'ar  cloinn,  ach  cha'n  'eil  de  dhuais 
agam  air  a  shon  sin  an  diugh  ach  gu  'n  til- 
gear  orm  nach  fhearr  mi  dad  na  te  de 
mhnathan  Sholaimh.  Bha  cho  mhaith  leam 
a  bhi  air  mo  bhathadh  's  a  bhi  air  mo  chean- 
gal  ris  a'  bheist,  ach  bhiodh  tusa,  Iain, 
ceart  coma  ged  shaltradh  daoine  air  do 
mhnaoi  le  'n  casan.  Ach  cuimhnich  gu  'n 
tainig  mise  o  dhaoine  deusanta,  agus  na 
biodh  a  chridhe  agad  a  bhi  cur  tamailte  air 
m'  athair  agus  mo  mhathair  a  tha  anns  an 
uaigh  le  bhi  ag  radh  gu  bheil  mi  coltach  ris 
na  Ban-Mhoabach  agus  ris  na  Ban-Edomaich 
a  bha  aig  Solamh." 

"Dean  air  do  shocair,"  a  Sheonaid,  "c6 
a  thubhairt  gu  robh  thu  coltach  ris  na  Ban- 
Mhoabaich  no  ris  na  Ban-Edomaich?" 

"  Thubhairt  thusa,  Iain,  agus  mur  dubh- 
airt  thu  air  a  cheann  e,  thulDjiairt  thu  rud 
a  bu  mhiosa  ;  thubhairt  thu  gu  'n  do  rinn 
mi  fasach  de  do  thigh,  agus  ciod  a  tha  sin  a' 
ciallachadh  ach  gu  'n  do  mhill  mi  do  chuid' 
agus  gu 'n  do  bhris  mi  do  chridhe;  mise  a 
bha  cho  curamach  agus  cho  caomhnantach  ri 
te  eile  a  bha  riamh  air  cheann  tighe  an 
Cille-sgumain  !" 

"  As  uchd  mhaitheis,  a  Sheonaid,  gabh  an 
gnothuch    gu     reidh  ;.   cha  'n    e     sin     idir    a 

thubhairt ." 

''Cha  ghabh  mi  an  gnothuch  gu  reidh," 
arsa  Seonaid,  "  ciamar  a  chordadh  e  riut 
ft'in  na  'n  abvainn-sa  riut  gu  bheil  thu 
breugach,  agus  gu 'n  guidhinn  air  Dia  ffu'n 
tuiteadli  tu  as  do  sheasamh  mar  a  thu  it 
Ananias.     Agus  cha  stad  mi    de  mo  chaojn- 


eadh  ;  mar  nach  bu  leor  dhuit  a  thilgeadh 
orm  gu  bheil  mi  coltach  ri  Batlwheba  tha 
thu  a  nis  ag  radh  nach  fhearr  mi  dad  na 
Saphira,  agus  nach  h-urrainn  duit  facal  a 
thig  as  mo  bheul  a  chreidsinn." 

"  Nach  leig  thu  leam  aon  fhacal  a  radh," 
ars'  Iain'    "cha  dubhairt — ." 

"  Leigidh  mi  leat  fichead  facal  a  radh," 
arsa  Seonaid;  "  cha'n 'eil  ach  aon  te  anns 
an  tigh  so  nach  fhaod  bruidhinn  agus  is  e 
sin  mise.  Fad  finn  foinneach  na  h-oidhche 
feumaidh  mise.  mo  thruaighe,  a  bhi  'n  am 
thosd,  agus  gun  aon  diog  a  radh,  ged  tha 
thusa  a'  glaodhach  air  mullach  nan  tighean 
nach  'eil  annam  ach  boirionnach  breugach 
agus  diu  nam  ban.  Thainig  mise  o  dhaoine 
firinneach  ceart ;  o  dhaoine  a  bha  f ada  na  b' 
fhearr  na  thusa,  agus  fada  na  bu  bheusaiche 
na  Solamh.  Cuir  sin  fo  d'  chulaig  agus 
cagainn  e.  Is  coltach  thu  fein  agus  Solamh 
r'a  cheile  :  Solamh  !  gu  de  a  bha  annsan  ach 
an  fhior  ramailear,  duine  aig  an  robh  seachd 
ceud  bean  agus  tri  cheud  coimhleabach,  agus 
a  thoisich,  an  uair  a  dh'  fhas  e  sgith  dhiubh, 
air  an  caineadh  ann  an  leabhar.  Cha  b'e 
sin  gniomh  duine-uasail,  agus  na'm  bu 
duine-uasal  thusa,  Iain,  cha  'n  abradh  tu  ri 
do  mhnaoi  fein  na  rudan  a  bhiodh  Solamh 
mosach  ag  radh  r'a  choimhleabaich." 

Cha  'n  urrainn  mise  innseadh  dhuit,  a 
leughadair,  c'  uin  a  fhuair  Iain  Mac  Coin- 
nich fhacal  a  chur  a  stigh,  no  an  d'  fhuair  e 
idir  e,  ach  co  dhiii  shiolaich  an  stoirm  uair- 
eigin,  agus  tha  e  fein  agus  Seonaid  cho 
muirneach  measail  air  a  cheile  's  a  bha  iad 
riamh. 

Tha  e  furasda  gu  leoir  do'n  Urramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  agus  d'a  leithid  a 
bhi  leagail  sios  an  lagha  gu  laidir,  agus  a 
bhi  ag  radh  gu  bheil  e  ceart  anns  gach  suidh- 
eachadh  an  fhirinn  innseadh  agus  gun  diog 
ach  an  fhirinn,  ach  anns  an  t-saoghal  olc  so 
agus  am  measg  gineil  fhiar  fevmiaidh  tiir  a 
bhi  an  ceann  duine  cho  mhaith  ri  gradh  'n 
a  chridhe  m'  an  toisich  e  air  an  fhirinn  a 
laimhseachadh.  Tha  a'  chuid  mhor  de 
mhuinntir  an  t-saoghail  an  diiil  gu  'm  bu 
mhaith  leo  an  cairdean  a  bhi  cho  dUeas  agus 
gu  'n  innseadh  iad  dhaibh  am  failingean 
agus  an  lochdan,  ach  mo  thruaighe  na  cair- 
dean a  ni  sin  !  Ma  dh'  iarras  duine  air  bith 
ort-sa,  a  leughadair,-  a  lochdan  innseadh  dha 
gu  saor,  seall  anns  an  aird  a  deas,  agus  anns 
an  aird  a  tuath,  agus  anns  an  aird  an  ear, 
agus  anns  an  aird  an  iar ;  seall  os  do  chionn, 
agus  mu  'n  cuairt  ort,  agus  romhad,  agus  as 
do  dh^idh  ;  agus  an  sin  cunnt  seachd  seachd 
fichead  uair,  agus  abair  Comhairlean  Ghor- 
maic  (Va  Mhac  gu  beag  riut  f6in.  An  uair 
a  th^id  thu  troimh  na  cursachan  sin  uile, 
theagamh  gu  'n   do  ghabh    an    duine    barail 


ajjiadain    ort,    ague    gu  'n    d'    fhalhh    e   gun 
feitheamh  ri  freagairt. 


Tha  aireamh  bheag  de  bhoirionnaich  a' 
searmonachadh  ann  an  ciibaidean  anns  an 
duthaich  so  cheana ;  Maude  Royden  am 
measg  chaich.  Tha  i  an  drasd  air  thurus 
soisgeulach  an  America,  agus  thainig  fios  a 
nail  nach  leig  cuid  de  bhoirionnaich 
America  leatha  labhairt  riu  a  chionn  gu  'm 
bi  i  a'  smocadh  cigarettes. 

Theagamh  gu  'n  abair  thusa,  a  leughadair, 
nach  'eil  e  na's  miosa  do  bhoirionnaich  a  bhi 
a'  smocadh  na  tha  e  do  na  fir,  ach  ged  nach 
toigh  leam-sa  boirionnach  air  bith  fhaicinn 
a'  cur  a  coise  bac-air-oireig  agus  cigarette  'n 
a  gob  (cha  'n  abair  mi  'n  a  pluic)  saoilidh  mi 
gu  'm  faodadh  na  boirionnaich  a  bhiog  a' 
searmonachadh,  an  tombaca  a  sheachnadh 
agus  eisiomplair  bhanail  a  thoirt  d'  an^ 
peathraichean.  Nithean  a  dh'  fhaodas  a  bhi 
laghail  gu  leoir  do  chaileagan  ioUagach 
gorach,  no  do  mhnathan  reamhar  a  tha 
saoghalta  is  soghmhail,  cha'n  'eil  iad  idir 
freagarrach  do  bhan-soisgeulaiche ;  mar  sin 
chuirinn  m'  aonta  ris  an  rud  a  rinn 
mnathan    America. 

Cha'n  'eil  e  furasda  aon  lagh  a  dheanamh 
do  gach  seoisa  dhaoine  aii-  thalamh,  ach  tha 
coir  aig  seirbhisich  an  Tighearna  an  fheoil 
a'  smachdachadh  na's  cruaidhe  na  dh'  iarrai' 
air  daoine  nach  'eil  ag  aideachadh  lagh  air 
bith  ach  an  toil  fein.  Agus  mar  is  comhar- 
raichte  seirbhisich  an  Tighearna  am  measg 
dhaoine  is  ann  as  mo  a  tha  e  niar  fhiachaibh 
orra  iad  fein  aicheadh  agus  an  fheoil  a 
chumail  fo  smachd.  An  la  roimhe  bha  mi 
a'  leughadh  ann  an  leabhar  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  W.  T.  Grenfell,  dotair  a  rinn 
obair  mhor  agus  mhaith  an  Labrador,  nach 
b'  urrainn  da  eisdeachd  'n  a  oige  ri  duine  a' 
searmonachadh  an  t-soisgeil,  ma  bha  e 
reamhar.  Tha  a'  cheart  fhaireachduin  ann 
an  cridheachan  mhiltean  de  dhaoine  eile  ;  air 
dhoigh  air  chor-eigin  cha'n  'eil  reamhrachd 
a'  chuirp  agus  spiorad  an  t-soisgeil  a' 
comh-chordadh . 

Ann  an  aon  doigh  tha  m'  inntinn  na's 
dliiithe  do  Spurgeon  na  tha  i  do  'n  diadhair 
Newman,  ach  air  a  shon  sin  is  fhearr  leam 
fada  cian  a  bhi  sealltuinn  air  coslas  New- 
man na  bhi  sealltuinn  air  coslas  Spurgeon. 
Cha  chuirinn  dealbh  Spurgeon  an  crochadh 
ri  balla  mo  sheomair  air  son  an  t-saoghail, 
agus  is  e  an  t-aobhar  nach  cuireadh,  gu  robh 
Spurgeon  ro  ghaolach  air  c  omhf  hurt  ach  d  na 
feola.  Gle  bhitheanta  bhiodh  e  a'  dol  a  dh' 
ionnsuidh  nan  tallachan  anns  am  biodh  e  a' 
searmonachadh  ann  an  carbad  rlomhach  a' 
smocadh  cigar,  agus  ged  bhiodh  e  a'  labhairt 


briathran  eagallach  mu  chor  pheacach  anns 
an  t-saoghal  eile,  agus  a'  maoidheadh 
lasraichean  ifrinn  orra,  cha  robh  duine  ann 
an  Lunnainn  a  b'  fhearr  a  ghabhabh  a 
dhinneir  an  deidh  dha  a  bhi  bruidhinn  air 
na    lasraichean   uamhasach   sin. 

Bha  cairdeas  mor  eadar  Spurgeon  agus  an 
t-Ollamh  Iain  Kennedy  nach  maireann  a  bha 
ann  an  lonar-pheotharain,  aon  de  chinn  na 
h-eaglais  Shaoir,  agus  an  ceann  a  b'  urra- 
rnaiche  a  bha  aice  anns  a'  Ghaidhealtachd. 
An  uair  a  bha  an  eaglais  iir  a  thogadh  do'n 
Dotair  Kennedy  deas,  b'e  Spurgeon  a  dh' 
fhosgail  i.  Thainig  iad  a  fad  's  a  farsuing- 
eachd  a  dh'  eisdeachd  Spurgeon  an  la  ud, 
air  chor  agus  nach  b'-  urrainn  daibh  uilc 
aite-suidhe  fhaotainn,  ach  anns  an  fheasgar 
tha  mi  an  diiil  gu  'n  do  shearmonaich  e  a 
mach  air  an  raon.  Cha  mh6r  shearmon- 
aichean  a  sheas  riamh  an  cubaid  a  bha  cho 
cumhachdach  'n  a  theagasg  ri  Spurgeon  ; 
l>heannaich  Dia  a  shaothair  gu  saoibhir,  is 
l)ha  e  'n  a  mheadhon  air  na  miltean  a  chos- 
nadh  do  rioghachd  agus  do  sheirbhis  Chriosd. 

Ged  bha  Spurgeon  agus  Iain  Kennedy 
dealaichte  le  puing  a'  bhaistidh,  bha  iad 
anns  gach  ceum  eile  clluth  d'a  cheile,  agus 
l^'e  an  aon  seorsa  teagaisg  a  bha  iad  a'  toirt 
d'  an  coiinhthionailean,  teagasg  agus  oilean 
Chalvin.  Bha  iarunn  agus  fuil  anns  an 
teagast;;  sin,  ach  an  diugh  tha  an  oigridh  ag 
iarraidli  leintean  as  farsuinge  dhaibh  fein,  air 
chor  agus  gu  bheil  grian  Chalvin  a'  dol  fodha. 

Ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail  chi  sinn 
gu  bheil  cridheachan  dhaoine  a'  comh- 
fhreagairt  do  fhirinnean  sonruichte  ann  an 
aon  ghineil,  ach  nach  'eil  buaidh  sam  bith 
aca  air  an  ath  ghineil.  Tha  cridheachan 
na  h-ath  ghineil  a'  comh-fhreagairt  do 
fhirinn  air  chor-eigin  eile,  no  do  thaobh  iir 
de  'n  t-seann  fhirinn.  Ma's  urrainn  mise 
comharran  na  h-aimsir  a  leughadh  tha  cuid 
de  na  bunaitean  air  an  robh  na  h-aithrieh- 
eau  a'  seasanih  cho  cinnteach  a'  briseadh  sios 
an  diugh  mar  gu'm  biodh  garradh  gain- 
mhich.  Ach  tha  bunaitean  eile  agus  bun- 
aitean theagamh  as  seasmhaiche  a'  tighinn 
am  follais. 

An  \iair  a  bha  Spurgeon  comhla  ri  Iain. 
Kennedy  an  lonar-pheotharain  bha  iad  a' 
gabhail  sraid  an  taobh  a  mach  de  'n  bhaile. 
Stad  an  Dotair  mionaid  a  bhruidhinn  ri 
duine  a  thachair  orra  :  an  uair  a  dhealaich  e 
ris  an  duine  dh'  fharrald  Spurgeon  gu  d6  a' 
chanain  neonach  a  bhruidhinn  e.  Thubh- 
airt  an  Dotair  Keniiedy  gu  'm  b'e  sud  a' 
chanain  a  bha  air  a  labhairt  le  Adhamh  agus 
Eubh  ann  an  garradh  Edein.  "Ma  's  i," 
arsa  Spurgeon,  cha'n  'eil  ionghnadh  air  bith 
orm  gu'n  do  chuireadh  a  mach  as  a'  ghar- 
radh  iad," 


Air     3. 


1928. 


SEOMAR  AN  RIGH. 

[Ri  taobh  an  rathaid  am  Fonnchaisteil  tha 
tigh  beag  grinn  a  tha  air  uisneachadh  air 
laithean  na  seachduin  mar  thigh-sgoile, 
agus  air  feasgar  na  Sabaid  mar  thigh-coin - 
nimh.  Tha  an  tigh-coinnimh  so  air  a 
chumail  siias  leis  an  uachdaran,  an  t-OUamh 
G.  F.  Barbour,  duine  aig  a  bheil  iiigh  anns 
gach  aobhar  maith  air  thalamh  agus  aig  a 
bheil  high  gu  sonraichte  ann  an  rioghachd 
Dhe.  Tha  an  duine-uasal  so  'n  a  fhoirbheach 
anns  an  Eaglais  Shaoir  Aonaichte,  agus  gle 
bhitheanta  bidh  ministearan  foghluimte  a' 
fuireach  leis  mar  aoighean.  Bidh  na  minis- 
tearan sin  air  uairean  a'  searmonachadh  air 
feasgar  na  Sabaid  anns  an  tigh-coinnimh  ud, 
air  chor  agus  gu  bheil  cothrom  aig  muinntir 
Fonnchaisteil  air  eisdeachd  ri  cuid  de  na 
diadhairean  as  ainmeile  anns  an  tir.  Am 
measg  na  feadhnach  eile  a  shearmonaich  innte 
bho  na's  cuimhne  leam  fein,  shearmonaich 
Eanvulc  Drummond ;  agus  Seoras  Adam 
Smith ;  agus  Raibeart  Rainy ;  agus  an  t- 
Ollamh  Alasdair  Whyte  nach  maireann.  Ach 
an  drasd  's  a  rithist  bithidh  an  t-uachdaran 
fein  a'  dol  air  cheann  na  seirbhis,  agus  bu 
mhaith  leam  fear  de  na  searmoin  aige  a  chur 
sios  air  an  duilleig  so,  a  dh'  fheuchainn  am 
brosnaich  sin  cuid  de  na  foirbhich  againn 
fein  gu  oibrichean  maithe.  Bha  c6ir  aig 
foirbhich  dol  air  cheann  seirbhis  na's  trice 
na  tha  iad  a'    deanamh. 

Bha  an  searmon  so  air  a  liubhairt  am 
Beurla  ach  chuir  mi  fein  an  Gaidhlig  e. 
B'e  an  ceann-teagaisg ;  Wa  shedmraichihh 
threoraich  an  Eigh  mi.  (Dan  Sholaimh  1.  4); 
briatiivan  a  tha  air  an  sgriobhadh  os  cionn 
ard-dorus  an  tighe  bhig  ud.] 

A  h-uile  feasgar  Sabaid  a  thig  sibh  a 
steach  do'n  tigh  so,  ma  thogas  sibh  'ur 
suilean,  chi  sibh  na  briathran  so  ;  chi  a' 
chlann  iad  cuideachd  air  laithean  na  seach- 
duin. Is  rud  soluimte  e  briathran  mar  so 
fhaicinn  air  an  sgriobhadh  air  na  ballachan 
oir  tha  iad  a'  togail  fianuis  gu  bheil  fiughair 
againn  ri  nithean  mora  anns  an  tigh  bheag 
so.  Cha'n  ann  air  sgath  am  fuaim  no  am 
maise  a  chuireadh  na  briathran  so  os  cionn 
an  doruis  ach  a  chionn  gu  bheil  iadsan  a  ni 
aoradh  do  Dhia  an  spiorad  agus  am  firinn 
a'  dol  a  steach  an  da  rlreadh  do  sheoraraich- 
ibh  an  Rlgh. 


/.     Seoinar  an  Eigh. 

Ann  an  aon  seadh  tha  e  dana  dhuinn 
seomar  an  Rlgh  a  radh  ri  tigh  beag  gun 
sgiamh  gun  mhaise  mar  tha  an  tigh  so,  ach 
cha  'n  e  meudachd  no  maise  tighe  a  bhios  a' 
ceangal  cridheachan  dhaoine  ris,  ach  ni- 
eigin  eile  nach  buin  do'n  t-suil  idir. 
Faodaidh  tigh  no  eaglais  a  bhi  gun  eireach- 
das  o'n  leth-a-muigh,  ach  fathast  a  bhi  cho 
ainmeil  's  gu'n  tig  coigrich  'g  am  faicinn  a 
ceithir  ranna  ruadha   an  domhain. 

Tha  Betlehem  agus  Nasaret  an  diugh  gun 
mhaise  gun  eireachdas  o'n  leth-a-muigh,  ach 
tha  greim  aea  air  cridheachan  dhaoine  a 
chionn  gur  ann  annta  a  rugadh  agus  a  tho- 
gadh  losa.  Cha'n  'eil  ann  an  I-Chalum- 
Chille  ach  eilean  beag  lom,  ach  air  sgath  an 
duine  nanimh  a  las  coinneal  an  t-soisgeil  ann, 
agus  a  thug  an  tiodhlac  beannaichte  sin  do 
Albainn,  tha  eilean  I  an  diugh  'n  a  ionad 
naomh  an  suilean  dhaoine.  Bha  fhios  aig 
Calumcille  fein  gu'm  biodh  sin  mar  sin ; 
"Ged  is  beag  agus  bochd  an  t-aite  so,"  ars' 
esan,  "gidheadh  gheibh  e  urram  mor  fhathast, 
cha  'n  ann  a  mhain  o  righrean  na  h-Alba  ach 
o  righrean  choimheach  is  chinneach  a  tha  fad 
as."  Thug  Calumcille  agus  a  chompanaich 
ainm  agus  inbhe  do  eilein  beag  I  nach  d' 
fhuair  liichairt  righ   riamh  an  Albainn. 

Mar  so  cha'n  e  a'  cheist  as  prionns- 
jDalaiche  mu  thogail  air  bith,  A  bheil  i 
maiseach?,  ach  ciod  a  gheibhear  innte? 
Agus  CO  a  choinnicheas  ruinn  innte?  Ma 
thachras  neach  mor  oirnn  innte  tha  sin  fein 
a'  deanamh  na  togalach  mor  is  maiseach  : 
ma  thachras  caraid  oirnn  innte  tha  sin  a' 
deanamh  na  togalach  blath  dhuinn  mar  gu'm 
bitheamaid  aig  an  tigh.  Ach  ma  bhios 
comhdhail  againn  ri  Dia  innte,  ni  sin  an 
togail  'n  a  thigh  Dhe  agus  'na  gheata  neimh 
dhuinn,  air  cho  beag  iosal  agus  'g  am  bi  i. 

Ma's  e  an  tigh  so,  mata,  agus  gach  aite  eile 
anns  an  cruinnich  daoine  a  dheanamh 
aoraidh  do  Dhia,  seomar  an  Righ,  ciamar  a 
bu  choir  dhuinn  sinn  fein  a  ghiulan  ann.  Bu 
choir  dhuinn  tighinn  ann  le  urram  agus 
eagal  diadhaidh.  Bidh  daoine  a  tha  air  an 
gairm  an  lathair  an  righ  'g  an  ullachadh 
fein  an  doigh  fhreagarrach  roimh  laimh, 
los  nach  toir  iad  eas-urram  do'n  righ_  a 
ghairm  iad.  Cha  'n  e  mhain  gu'm  bi  iad 
curamach  gu'm  bi  an  t-aodach  ceart  orra, 
agus  gu'm  bi  na  modhanna  ceart  aca  o'n 
leth-a-muigh,     ach    bidh    iarrtus    aca,    ma's 


10 


dauiue  iail  a  tha  dlleas  do'ii  rigli,  air  an 
dilyeai'hd  a  Iha  'u  au  cridhe  a  noehdadli  dlia 
le  an   giulan. 

Ma  tha  sinne  a'  creidsinn  gu  fior  an  ni  a 
tha  sinn  ag  aideachadh,  gu  bheil  sinn  a'  dol 
a  steaeh  an  lathair  an  Righ  gach  uair  a  thig 
sinn  do'n  tigh  so  a  dheanarah  urnuigh,  an 
lathair  Righ  a  tha  glornihor  os  cionn  uile 
riglirean  na  talmhainn,  nacli  bu  choir 
dhiiinn  a  nociidadh  le  ar  giulan  an  fhaireach- 
duinn  a  tha  againn  'n  ar  cridheachan  air 
morachd  agus  naonihachd  an  Ti  ghl6rmhor  sin ! 
B'e  so  an  cuspair  air  an  do  rinn  an  diadh- 
air  Newman  fear  de  na  searmoin  a  bu 
druidhtiche  a  shearmonaich  e  riamh,  TJrram 
a'  sruthadh  o  chreideamh  an  Idthaireachd 
Dhe.  Thubhairt  e  gur  e  an  luasgan,  agus 
an  an-fhois,  agus  an  sgiths,  ag'us  an  cion-aire, 
a  bhios  air  daoine  ann  an  tigh  an  Tighearna, 
comharran  cinnteach  nach  'eil  faireachduinn 
no  duil  aca  gu  bheil  Dia  maille  riu  no  dluth 
dhaibh.  Na'n  robh  iad  a'  faireachduinn  no 
a'  creidsinn  an  da  inreadh  gu  robh  Righ  nan 
righrean  maille  riu  nochdadh  iad  e  le 
soluimteachd  agus  mor-urram  an  giiilain. 
An  diugh  fhathast,  gach  uair  a  thig  sinn 
dluth  do  Dhia,  tha  an  seann  fhacal  a' 
labhairt  ruinn,  "  Cuir  dhiot  do  bhrogan 
bharr  do  chosa,  oir  an  t-aite  air  a  bheil  thu 
a'd'  sheasamh  is  talamh  naomh  e." 

Ach  a  thuilleadh  air  tighinn  an  lathair  an 
Tighearna  le  urram  bu  choir  dhuinn  tighinn 
'n  a  lathair  le  diiil  ri  nithibh  maithe.  Tha 
Dia  an  da  chuid  comasach  agus  deonach  air 
nithibh  maithe  a  thoirt  dhuinn.  Tha  ar 
fiosrachadh  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh  ag 
innseadh  so  dhuinn ;  ach  ma  thug  Dia  bean- 
nachdan  mora  agus  priseil  dhuinn  cheana 
tha  beannachdan  is  mo  agus  is  priseile  aige 
a'  feitheamh  oirnn  fhathast.  Tha  cuimhne 
aig  cuid  agaibh  air  na  searmoin  a  bhiodh  an 
diadhair  urramach,  Alastair  Mac  Illebhain 
a'  toirt  dhuinn  anns  an  tigh  so,  gu  sonraichte 
na  searmoin  a  bhiodh  e  a'  toirt  dhuinn  mu 
iirnuigh  ;  tha  cuimhn©  agaibh  mar  a  bhiodh 
e  a'  tighinn  thairis  air  an  laoidh  ud  a  rinn 
Iain  Newton,  0  m'anam,  thig  le  d'  chiiis  gu 
Dia  •  laoidh  anns  a  bheil  Newton  ag  iarraidh 
oirnn  iarrtusan  mora  agus  rioghail  a  chur 
an  lathair  Dhe,  a  chionn  gur  Righ  Dia. 
"  larraibh  agus  gheibh  sibh  ;  buailibh  agus 
fosglar  dhuibh." 

Ma  tha  sinne  a'  creidsinn,  mata,  an  uair 
a  thig  sinn  a  dheanamh  aoraidh  anns  an 
tigh  so  gu  bheil  sinn  a'  dol  a  steaeh  do 
sheomar  an  Righ  ghlormhor  so,  cha  tig  sinn 
'n  a  lathair  mar  dhaoine  a  tha  dol  ann  air 
sgath  an  fhasain,  ag  uisneachadh  bhriathran 
naomha  mar  nach  robh  annta  ach  briathran 
aotrum  gun  bhrigh ;  thig  sinn  'n  a  lathair 
le  iarrtusan  anama  eho  ard  ris  an  speur  agus 


cho  domhain  ris  a'  chuan.  Thig  sinn  thuige 
mar  chloinn  gu  athuFr  caomhail  a  tha  feith- 
eamh gus  na  nithean  as  fhearr  a  thoirt 
daibh. 

Ach  cha'n  ann  a  dh'  iarraidh  thiodhlacan 
uile  gu  leir  a  bhios  daoine  a'  dol  a  steaeh  an 
lathair  mhaithean  agus  righrean ;  tha  tiodh- 
lacan  air  a  thoirt  dhaibh  gun  teagamh  ach 
tha  cumhachan  is  aitheantan  air  a  thoirt 
dhaibh  mar  an  ceudna.  Tha  sinne  a'  dol 
do  sheomar  an  Righ  a  nochd  a  chluinntinn 
ciod  a  tha  aige  ri  radh  ruinn  agus  ciod  a  tha 
e  ag  iarraidh  oirnn  a  dheanamh.  An  lathair 
an  Righ  tha  fiughair  againn  ri  aoibhneas, 
ach  tha  fiughair  againn  cuideachd  gu'm 
foillsich  e  a  riiintean  agus  a  thoil  dhuinn. 
x4.  h-uile  feasgar  Sabaid  a  bhios  sinn  a'  fagail 
an  tighe  so  bu  cEoir  dhuinn  fhoighneachd 
dhinn  fein,  an  d'  fhuair  mi  an  tuilleadh 
eolais  a  nochd  air  toil  Dhe  d'am  thaobh,  agus 
a  bheil  iarraidh  a'm'  chridhe  air  an  t-solus 
ur  sin  a  leantuinn?  Ma  tha,  bha  an  tigh 
so  gu  firinneach  'n  a  sheomar  an  Righ 
dhuinn. 

//.      Na  h-aoighean. 

Dh'  fhaodainn  moran  a  radh  mu'n  t-seorsa 
dhaoine  a  theid  a  steaeh  do  sheomar  an  Righ  ; 
ciamar  a  fhuair  iad  cuireadh  agus  c'ar  son  a 
fhuair  iad  e.  Thubhairt  mi  ni-eigin  cheana 
mu'n  staid  inntinn  agus  cridhe  a  tha 
freagarrach  dhaibhsan  a  theid  a  steaeh  do'n 
t-seomar,  ach  ged  tha  e  fior  gur  maith  leo 
a  bhi  airidh,  cha  'n  ann  a  chionn  gu  bheil 
iad  airidh  a  theid  gin  dhiubh  a  steaeh  ach 
a  chionn  gu'n  tug  an  Righ  cuireadh  dhaibh, 
cuireadh  flathail  uasal. 

An  ceart  da  rireadh,  cha  bhiodh  aon  idir 
againn  anns  an  ionad  so  a  nochd  mur  b'e 
gu'n  robh  lamh  laidir  agus  lamh  chaomh  an 
Tighearna  'g  ar  treorachadh  ann.  Cia 
meud  neach  agus  ni  a  bha  a'  comh-oibreach- 
adh  r'a  cheile,  ann  am  freasdal  an  Tighearna, 
gus  an  cothrom  so  a  thoirt  dhuinne  air 
cruinneachadh  an  so  comhla  a  nochd.  An 
leabhar  naomh  as  an  do  leugh  sinn ;  na 
laoidhean  a  sheinn  sinn;  an  t-saorsa  a  tha 
againn  aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  a  reir 
ar  toile  ; — cha  sinne  a  rinn  no  choisinn  gin 
de  na  nithean  sin.  Fhuair  sinn  iad  mar 
dhileab ;  tiodhl-acan  beannaichte  o  laimh  an 
Tighearna. 

An  luchd-aoraidh  a  tha  cruinn  anns  an 
tigh  so  a  nochd,  thainig  iad  ann  a  iomadh 
aite  agus  air  iomadh  rathad,  agus  fheum  is 
Iirnuigh  fein  an  cridhe  gach  neach.  Ach  is 
6  an  Righ  fein  a  thug  ann  sinn  uile,  agus 
is  6  a  lamh  a  threoraich  sinn  d'a  sheomar. 
C'ar  son  a  thug  e  ann  sin?  Thug,  a  chum 
gu'n  deanamaid  seirbhis  dha,  agais  a  churri 
gu'm  fanamaid  maille  ris, 


11 


An  lathair  an  Righ  anns  an  t-seomar  tha 
a  sheirbhisii'h  a'  faotainn  ailheantan  an 
High ;  an  uair  a  tliig  iad  a  niach  as  tha  e 
iomchuidh  gu'm  biodh  an  casan  agus  an 
lamhan  Inath  a  chur  toil  an  Righ  an  ceill. 
Ach  ciod  a  tha  air  a  chiallachadli  le  blii  fan- 
tuinn  maille  ris?  An  gabh  sin  deanamh? 
Ann  an  nine  ghoirid  bidh  ar  coinneamh  a 
nochd  ullamh ;  gabhaidh  gach  aon  againn  a 
rathad  f6in  dhachaidh;  an  sin  fois  na  h- 
oidhche,  agus  am  maireach  theid  sinn  air 
cheann  ar  gnothuichean  saoghalta  mar  is 
abhaist.  Thainig  sinn  do'n  tigh  so  air  son 
viair  a  dh'  uine;  theagamh  gu  bheil  sinn 
toilichte  gu'n  tainig,  ach  ciamar  a  dh'  fhanas 
sin  an  seomar  an  Righ,  no  an  lathair  an 
Righ,  an  uair  a  dh'  fhagas  sinn  e.  Fanaidh 
a  chionn  gu  bheil  lathaireachd  Dhe  gu 
spioradail  cha  'n  ann  ann  an  tighean  a  tha 
air  an  togail  le  clach  is  aol  ach  ann  an 
cridheachan  a  shluaigh.  "  Is  sibhse  team- 
pull  Dhe,  agus  tha  spiorad  Dhe  a'  comhnuidh 
annaibh." 

Aon  ni  a  mhiannaich  mi  o  Dhia  ; 
Gu  minic  iarram  e  : 
A  bhi  a'm'  chomhnuidh  feadh  mo  la 
An  tig-h  's  an  an  aros  Dhe. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Bho  chionn  ghoirid,  ann  am  paipear  son- 
raichte,  bha  litir  air  a  sgriobhadh  le  athair 
teaghlaich,  a'  foighneachd  an  tugadh  duine 
air  bith  dha  ainm  sgoile  a  bhiodh  freagarr- 
ach  air  son  a  mhic.  Chuir  e  sios  air  ghad  na 
nithean  a  dh'  fheumadh  am  balach  fhaotainn, 
a'  toiseachadh  aig  a'  bhiadh  agus  a'  crioch- 
nachadh  aig  leas  anama.  Am  measg  nithean 
eile  a  thubhairt  e  thubhairt  e  gu'n  do 
shiubhail  e  Breatunn  agus  nach  do  thachair 
an  seorsa  sgoile  air  a  bha  dhith  air. 

Bha  moran  a  dhith  air  an  duine.  A 
thuilleadh  air  corp  a  bhalaich  a  dheanamh 
slan  agus  laidir,  bu  mhaith  leis  gu'n  deanadh 
na  maighstirean-sgoile  duine  dheth;  duine 
a  smuainicheadh  air  a  shon  fein,  a  bhiodh 
misneachail  is  firinneach,  mothachail  air 
gloir  agus  maise  an  t-saoghail.  Bu  mhaith 
leis  na  maig'hstirean-sgoile  a  bhi  'n  an 
daoine  spioradail,  comasach  air  inntinn  a' 
bhalaich  fhosgladh  do  na  feartan  diomhair  a 
tha  teachd  o'n  t-saoghal  neo-fhaicsinneach, 
— bha  sin  agus  moran  eile  a  dhith  air  an 
duine. 

Na'n  do  sgriobh  e  thugam-sa  bheirinn  dha 
ainm  na  sgoile  a  tha  dhith  air,  ach  theagamh 
naeh  biodh  sin  chum  moran  feuma  dha,  oir 
dh'    fheumainn    innseadh   dha  nach  sabhadh 


i  a  steach  am  balach,  a  chionn  gu'm  b'e  mac 
atliar   e. 

Tha  moran  de  pharaiitan  an  t-saoghail  so 
ag  iarraidh  air  na  sgoilean  miorbhuilean  a 
dheanamh  nach  urrainn  cumhachd  air  tha- 
lamh  a  dheanamh.  Tha  iad  a'  toirt  cloinne 
a  steach  do'n  t-saoghail  air  am  puinnsean- 
achadh  le  droch  dhuthchas;  an  uair  a  ruigeas 
na  seotachan  sin  coig  no  se  bliadhna  a  dh' 
aois  beiridh  iad  air  chaol-duirn  orra  agus 
liiibhraidh  iad  iad  do  na  maighstirean-sgoile, 
is  their  iad  riu,    '  Deanaihh  daoine  dhiuhh.' 

Na'n  robh  na  maighstirean-sgoile  cho 
onarach  agus  neo-eisiomaileach  's  a  bu  choir 
dhaibh  dh'  innseadh  iad  do  na  parantan 
nach  gabh  an  rud  deanamh.  Ach  cha  dean 
iad  sin.  Tha  a'  mhor-chuideachd  dhiubh 
fein  de'n  cheart  bheachd  ris  na  parantan ;  tha 
iad  an  duil  gu  bheil  buaidh  aca  thairis  air 
inntinn  is  gne  na  cloinne  nach  'eil  aca  idir. 
Anns  na  laithean  deireannach  so  tha  barr- 
achd  de  chainnt  gun  chiall  agus  de  ghloramas 
faoin  air  a  labhairt  mu  obair  nan  sgoilean 
agus  mu  ionnsachadh  na  cloinne  na  tha  air 
a  labhairt  mu  chuspair  air  bith  eile.  Tha 
daoine  an  duil  nach  'eil  aca  ach  a'  chlann  a 
liubhairt  thairis  do'n  luchd-teagaisg  is  air- 
giod  gu  leoir  a  chosd  gus  an  ionnsachadh, 
agus  an  sin  gu'm  bi  frith-rathad  air  fhos- 
gladh  a  steach  do  thir  a'  gheallaidh.  Ach 
cha'n  'eil  an  sin  ach  beachd  diomhain; 
I'uagadh  na  gaoithe. 

Na'n  robh  cothrom  againn  bu  mhaith  leam 
argumaid    a   bhi    agam   riut,    a    leughadair, 
mu  na  nithean  so, — 
(l)Gur  treasa  duthchas  na  oilean. 

(2)  Nach  cuir  sgoil  barrachd  tuir  ann  an 
duine  na  tha  ann  gu  nadurra. 

(3)  Nach  'eil  a'  chuid  mhor  cie  chloinn  comas- 
ach air  dad  ionnsachadh  nach  fhaodadh 
a  bhi  aca   aig  deich  bliadhna. 

(4)  Nach  'eil  e  idir  cho  soilleir  's  a  bha  sinn 
aon  uair  an  diiil  gur  buannachd  do'n 
rioghachd  gu'm  biodh  ionnsachadh  air  a 
chothachadh  air  daoine  aig  nach  'eil 
iarraidh  air. 

(5)  Mar  is  mo  a  thatar  a'  cosd  air  na  sgoilean 
is  ann  is  mo  a  tha  ciobaireachd  an  t- 
sluaigh  a'  fas,  agus  is  cinntiche  a  tha  an 
luchd-riaghlaidh  nach  urrainn  daoine 
sealltuinn  as  deidh  an  gnothuich  fein. 

Tha  othail  is  goileab  g'u  leoir  a'  dol  air 
aghaidh  mu  oileanachadh  na  cloinne ;  tha 
togalaichean  mora  'g  an  our  suas  anns  a  bheil 
foghlum  air  a  dhortadh  annta  le  ladar,  ach 
ma's  e  is  deireadh  do'n  obair  sin  uile  gu'm  bi 
ciobair  air  fhichead  air  an  fhichead  duine 
anns  an  rioghachd,  nach  bu  cho  mhaith  dhuinn 
leigeil  leis  a'  chloinn  a  bhi  mar  bha  iad ! 
Nach  bu    cho  mhaith    dhuinn  leigeil   leo  fas 


12 


suas  mar  gu'm  biodh  na  h-asailean-fiadhaich 
air   na  raontaii. 

Ciod  air  liitli  a  iheir  tliusa,  a  leughadair, 
cha'n  abair  mise  co  dhiu  gu'n  do  rinn  an 
sgoil  feum  air  bith  do  dhuine  mur  do  mheud- 
aich  i  gaol  air  saorsa  'n  a  chridhe,  agus  mur 
do  rinn  i  comasach  e  air  a  shaorsa  a  chleach- 
dadh  anns  an  doigh  as  fhearr  dha  fein  agus 
do  dhaoine  eile.  An  uair  a  tha  a'  chiobair- 
eachd  a'  fas  ann  an  duthaich  sin  agad  comh- 
arradh  cinnteach  nach  e  daoine  a  tha  na 
sgoilean  a'  tionndadh  a  mach  ach  caoraich ; 
caoraich-mhaola. 


Ciod  a  their  thu  ris  an  dviine  so, 
a  leughadair,  duine  a  bha  air  a  tho- 
gail  ann  an  dachaidh  dhiadhaidh? 
Oidhche  a  chunnaic  e  paisde  a'  dol 
air  a  ghluinean  air  beulaobh  na  leapa, 
a'  pasgadh  a  lamhan,  agus  a'  toiseachadh  air 
an  urnuigh  bheag  a  dh'  ionnsaich  a  mhathair 
dha  a  radh,  rug  e  air  meis  a  bha  Ian  de  uisge- 
fuar  is  thilg  e  an  t-uisge  air  a'  phaisde. 
"  lonnsaichidh  mise  dhuit,"  ars'  esan  gu 
magail,  do  phaidir  a  radh  agus  dol  air  do 
mhagan  mar  gu'm  biodh  raanach."  A 
thuilleadh  air  sin,  bhuail  e  an  leanabh  le 
bhroig.  Dh'  fheuch  am  paisde  truagh,  agus 
e  air  chrith  leis  an  eagal  is  leis  an 
fhuachd,  ri  teicheadh,  ach  rug  an  duine  borb 
air  is  chuir  e  'n  a  shineadh  e  air  an  leabaidh, 
is  dhoirt  e  meas  eile  de  uisge  air. 

Ciod  a  their  thu  ris  a  sin,  a  leughadair? 
Agus  ciod  a  their  Dia  ris?  Sin  rud  as 
prionnspalaiche  air  fad,  ciod  a  their  Dia 
ris.  An  uair  a  bhiog  tu  a'  toiseachadh  air 
an  smuain  altrum  'n  ad  chridhe  nach  'eil  a 
leithid  de  ni  agus  corruich  ann  an  cridhe 
Dhe  cuimhnich  air  an  duine  ud  agus  air  a' 
phaisde  ud,  agus  feoraich  dhiot  fein  ciod  a 
their  Dia  ris  a'  gniomh  ud,  an  Dia  bean- 
naichte  a  tha  naomh  agus  oeart  agus 
caomhail,  aig  a  bheil  cridhe  athar ! 

Cho  fad  agus  a  bhios  daoine  a'  deasbud 
mu  nadur  Dhe  mar  nach  biodh  buintealas 
aige  ris  an  talamh  so  idir,  no  ri  daoine,  no 
ri  beatha  dhaoine,  tha  iad  deas  gu  bhi  saoil- 
sinn  gu  robh  na  seann  fhaidhean  cearr  an 
uair  a  Ial>hair  iad  mu  fhearg  agus  mu  theas- 
chorruich  lehobhah.  Labhair  na  seann 
fhaidhean  mar  a  rinn  iad  a  chionn  gu'm  faca 
an  suilean  na  nithean  leibideach  is  graineil 
a  bha  air  an  deanamh  air  thalamh.  Cha  'n 
Tirrainn  Dia  a  bhi  ann  an  sith  ri  daoine  borb 
no  ri  daoine  a  ni  gniomharan  leibideach, 
direach  a  chionn  s'li  bheil  e  iomlan  an  gradh. 


Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi  a' 
bruidhinn  air  an  Urramach  Tearlach  Spur- 


geon ;  an  de  fhuair  mi  litir  o  charaid  coir  a 
thubhairt  rium  (ged  nach  robh  e  a'  ciallach- 
adh  mo  ghortachadh)  gu  I'obh  e  an  diiil  gu'n 
cordadh  na  duilleagan  Gaidhlig  so  na  b' 
fhearr  ri  daoine  na'n  tugainn  dhaibh  naigh- 
eachdan  beaga  laghach  mu  Spurgeon  agus 
mu  dhaoine  ainmeil  eile  seach  a  bhi  toirt 
daibh  searmon  anns  a  h-uile  aireamh  ;  sear- 
mon,  ars'  esan,  nach  leugh  ach  fior  dhuine 
annamh. 

Cha  bu  mhaith  leam  a  bhi  cho  rag-mhuin- 
ealach  's  nach  gabhainn  comhairle,  ach  air  a 
shon  sin  cha'n  'eil  mi  dol  a  ghabhail  na  comh- 
airle ud,  oir  ged  tha  naigheachdan  gu  leoir 
agam-sa  mu  Spurgeon,  agus  mu  Homer  cuid- 
eachd,  is  toigh  leam  an  cumail  'n  an  aite  f6in, 
agus  gun  toiseach  a  thoirt  daibh  air  an  t- 
searmon.  Oir  tha  na  searmoin  a  bhios  mi  a' 
sgriobhadh  air  an  duilleig  so  air  an  sgriobh- 
adh  air  son  sheann  daoine  gu  sonraichte; 
daoine  nach  h-urrainn  dol  do'n  eaglais  agus 
do  nach  biodh  e  furasda  searmon  Gaidhlig  a 
chluinntinn  no  leughadh  air  dhoigh  eile. 
Ach  tha  mi  a-,  dochas  gu  bheil  iomadh  duine 
eile  a  thuilleadh  orra  sin  a  bhios  a'  leughadh' 
an  t-searmoin  a  h-uile  mios ;  daoine  a  tha  dol 
do'n  eaglais  cho  mhaith  riusan  nach  urrainn 
dol   innte. 

Ach  ma  bheir  naigheachd  mu  Spurgeon  toil- 
eachadh  air  bith  do  mo  charaid  a  sgriobh 
thugam,  so  aige  te  eile.  Bha  nighean  6g  anns 
a'  choimhthional  aige  a  bha  cur  air  mhanadh 
dhi  fein  gu  robh  i  dol  a  bhasachadh.  Cha 
robh  a'  bheag  cearr  oirre,  ach  stad  i  de 
itheadh  a  bidh,  agus  bha  i  a'  dol  slos  le  cion 
beathachaidh.  "  Chaidh  mise,"  arsa  Spur- 
geon, " 'ga  h-amharc ;  dh'  innis  i  dhomh 
mu'n  ni  a  bha  anns  an  dan  dhi  agus  thubh- 
airt i  nach  biodh  ann  ach  cur-a-dholaidh  air 
biadh  na'n  itheadh  ise  e,  a  chionn  nach  robh 
a  saoo^hal  a'  dol  a  bhi  fada.  Dh'  fharraid  i 
dhiom  an  robh  mi  a'  creidsinn  ann  am  mana- 
daireachd  ;  thubhairt  mi  gu  robh  ;  gu  robh  e 
air  a  chur  air  mhanadh  dhomhsa  uaireigin 
gur  e  asail  a  bha  annam,  agus  gu'n  do  thionn- 
daidh  an  rud  a  mach  fior.  Thubhairt  mi  gu 
robh  manadh  de  'n  eheart  sheorsa  agam 
uimpe-se,  gur  e  asail  bheag  a  bha  innte  agus 
nach  b'e  boirionnach  idir  mar  bha  daoine  an 
diiil.  Chuir  so  ionghnadh  oirre;  dh'  iarr  mi 
air  a  cairdean  biadh  a  thoirt  dhi,  ach  cha  'n 
itheadh  i  e.  An  sin  thubhairt  mi  rithe  gu'n 
ainmichinn  i  air  a  h-ainm  aig  a'  choinnimh- 
iirnuigh ;  gu'n  innsinn  do'n  choimhthional  gu 
robh  i  a'  cur  lamh  'n  a  beatha  agus  gur  e 
f6in-mhortair  a  bha  innte,  agus  gu'n  iarrainn 
orra  a'  cur  a  mach  as  an  eaglais  a  chionn 
nach  robh  e  freagarrach  dhuinn  bana-mhor- 
tair  a  bhi  againn  air  ar  leabhar-comanach- 
aidh.  An  sin  thoisich  i  air  itheadh  is  chaidh 
i  na  b'  fhearr," 


1928. 


CADAL  FOISNEACHAIL. 

Luigli  mi  sios,  agus  chaidil  mi  :  dhuisg  mi, 
oir  chum,  mvTighearna  stuis  m,i — Salm  iii.5. 

Tha  6  air  a  radh  gu  robh  an  t-salm  so  agus 
an  t-salm  a  tha  'n  a  deidh  air  an  deanamh  le 
Daibhidh  an  uair  a  b'  fheudar  dha  teich- 
eadh  roimh  Absalom  a  mhac ;  an  dara  te  mar 
laoidh  a  bha  freagarrach  air  son  na  maidne 
agus  an  te  eile  mar  laoidh  a  bha  freagarrach 
air  son  an  fheasgair.  "  Is  maith  an  ni 
buidheachas  a  thabhairt  do'n  Tighearna,  a 
chaoibhneas-graidh  a  chur  an  ceill  anns  a' 
mhaduinn  agus  fhirinn  gach  oidhche. " 

Theab  dol-a-mach  Absaloim  cridhe  athar  a 
bhriseadh,  oir  bha  gaol  mor  aig  Daibhidh 
air.  Na'm  b'e  righ  coimheach  a  tharruing 
an  claidheamh  'n  a  aghaidh  cha  bu  leasg  le 
Daibhidh  dol  's  a'  chaonnaig,  oir  cha  bu 
duine  e  a  sheachain  riamh  an  cath,  ach  b'e 
rud  eile  a  bha  ann  dol  a  chogadh  r'a  mhac 
amaideach  fein  agus  ri  daoine  a  shuidh  aig 
a  bhord  agus  a  bha  gabhail  orra  a  bhi  dileas 
da. 

Ach  anns  an  da  shalm  so  cha'n  'eil  aon 
fhacal  a'  cur  binn  air  Absalom ;  cha'n  'eil 
uiread  agus  ainm  air  ainmeachadh.  Cha 
bhi  aithrichean  caomh  is  glic  a'  glaodhach 
air  mullach  nan  tighean  mu  lochdan  no  mo 
olcas  an  cloinne;  cumaidh  iad  sin  aca  fein, 
mar  is  coir  do  chloinn  dhleasdanach  a  dhean- 
amh  cuideachd  air  goraiche  am  parantan,  ma 
tha  parantan  gorach  aca.  Tha  e  iomchuidh 
do'n  h-uile  duine  folach  a  chur  air  cionta  a 
dhaimheach. 

Na'n  do  ghabh  Absalom  comhairle  Ahito- 
phel  theagamh  nach  deachaidh  Daibhidh  no 
gin  de  na  daoine  a  bha  leis  as.  Ach  ged 
chaidh  iad  as,  bha  iad  air  an  iomain  o  thom 
gu  tom,  air  chor  agus  nach  b'  urrainn  daibh 
cadal  na  h-oidhche  fhaotainn  gu  ceart.  An 
drasd  's  a  ris  bha  iad  a'  dunadh  an  sul  far 
am   faigheadh  iad  cothrom. 

Oidhche  araidh  a  fhuair  Daibhidh  cadal 
foisneachail,  an  uair  a  dhuisg  e  anns  a' 
mhaduinn,  agus  a  chorp  agus  a  spiorad  air 
an  urachadh,  -sheinn  e  an  t-salm  so  mar 
iobairt-bhuidheachais  do  Dhia.  Rinn  e 
urnuigh  m',an  do  chaidil  e,  'ga  earbsadh 
fein  ri  Dia  agus  ag  radh,  "  Tha  thusa,  a 
Thighearna,  a'd  sgeith  dhomh  :  mo  ghl.oir 
agus  fear-togalach  mo  chinn. "  Agus  cha'n 
'eil  teagamh  nach  do  chuidich  an  urnuigh 
sin  leis  cadal  gu  foisneachail,  oir  tha  urnuigh 
a'  cur  dhaoine  anns  an  daimh  cheart  ri  Dia, 


agus  an  uair  a  tha  sinn  anns  an  daimh  cheart 
ri  Dia  tha  sin  a'  fogradh  eagail  is  curaim, 
agus  a'    toirt  sithe  is  fois  d'ar  n-inntinn. 

_  Cha'n  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  deuch- 
ainnaiche  na  cion  cadail,  ach  tha  miltean  d' 
ar  co-chreutairean  a  bhios  a'  dol  do'n  leab- 
aidh  anns  an  oidhche  le  eagal,  ag  radh  mar 
thubhairt  lob,  "Airmhear  dhomh  oidhchean 
craidh ;  c'uin  a  dh'  ^ireas  mi  agus  a  theid  an 
oidhche  seachad ;  tha  mi  Ian  luasgaidh  a 
null  agus  a  nail  gu  briseadh  na  faire."  A 
h-uile  oidhche,  an  uair  a  bhios  sinn  a  dean- 
amh ar  n-urnuigh-leapa  bu  choir  dhuinn  ath- 
chuinge  a  dheanamh  ri  Dia  air  son  ar  braith- 
rean  a  tha  fulang  le  cion-cadail.  Agus  a 
h-uile  maduinn  a  dhuisgeas  sinn  bu  choir 
dhuinn  buidheachas  a  thoirt  do  Dhia  air  son 
gu'n  d'  fhuair  sinn  oadal  agus  gu'n  do  chum 
e  suas  sinn  am  measg  chunnartan  na  h-oidh- 
che. An  uair  a  laigheas  sinn  sios  air  leaba 
shocrach  bu  choir  dhuinn  a  chuimhneachadh 
nach  robh  sin  aig  Mac  naomh  Dhe  air 
uairean.  Bha  tuill  aig  na  sionnaich  agus 
nid  aig  eunlaith  an  adhair  ach  cha  robh  aite 
aige-san  anns  an  leiagadh  e  a  cheann. 

Bho  chionn  bhliadhnachan,  aig  cruin- 
neachadh  mdr  a  bha  aig  na  dotairean, 
thubhairt  dotair  ainmeil  gu'n  do  chuir  e 
seachad  a'  chuid  a  b'  fhearr  d'a  bheatha  a' 
feuchainn  ri  aotramachadh  a  thoirt  do 
dhaoine  a  bha  fulang  le  cion-cadail  agus 
eucailean  eile  de'n  t-seorsa  sin,  agus  nach 
d'  fhuair  e  riamh  cungaidh  a  bha  cho 
eifeachdach  ri  tlrnuigh. 

Ann  an  urnuigh  tha  laigse  an  duine  a' 
taiceachadh  ri  neart  agus  cumhachd  an  Tigh- 
earna, agus  ciamar  nach  biodh  inntinn  fhois- 
neachail  aig  duine  a  tha  creidsinn  gu  bheil 
na  gairdeanan  siorruidh  timchioll  air  gach 
oidhche  is  la.  An  uair  a  bha  losa  agus  na 
deisciobuil  a  mach  air  an  loch,  agus  a  sheid 
an  stoirm,  b'  urrainn  dhasan  cadal  ged  nach 
b'  urrainn  daibhsan,  oir  bha  fhios  aige  gu 
robh  a'  ghaoth  agus  an  fhairge  ann  an 
laimh  athar. 

Ann  an  toiseach  na  h-oidhche,  m'  an 
do  th^isich  mi  air  so  a  sgriobhadh,  bha  mi 
a'  tionndadh  nan  duilleagan  aig  an  leabhar 
a  chuir  am  fear  nach  maireann  a  mach,  an 
t-Ollamh  Alasdair  Mac  Ille  Mhicheil ;  ag 
ionaltradh  air  raontan  glan  is  farsuing.  Am 
measg  nithean  eile  air  an  do  laigh  mo  shuil 
laigh  i  air  aon  no  dha  de  na  h-urnuighean 
agus  na  rannan  leis  am  biodh  ar  n-aith- 
richean  'g  an  cur  fein  a  chadal  anns  na  seann 


V 


u 


laithean  anns  na  h-eileanan  an  lar.  Co 
dhivi  a  bha  iad  a'  toiseachadh  air  cur  no 
buain,  air  fadadh  no  snaaladh  teine  air  ias- 
gach  no  bleoghan,  no  air  obair  no  car  air  bith 
eile,  bha  rann  aig  na  seann  daoine  caomh 
leis  am  beannaicheadh  iad  iad  fein  agus  an 
saothair.  Agus  bha  beannachadh-leapa  agus 
urnuigh-chadail  aca  cuideachd. 

Cha  laigh  mi  leis  an  olc 
Gha  laigh  an  t-olc  learn 
Ach  laighidh  mi  le  Dia 
Is  laighidh  Dia  leam. 

*         *         *         *        -x- 

An  ainm  an  Tighearn  losa, 
Agus  spiorad  iocshlaint  iiigh, 
An  ainm  Athar  Israeil, 
Sinim  sios  gu  tdmh. 

Ma  tha  miisal  no  diisal 
.     No  ritn  air  bith  dhomh  'n  dan 

Dhia  fuasgail  arm  is  cuarfaich  orm- 
Is  fuadaich  nam  mo  ndmh. 

An  ainm  an  Athar  phrlseil, 
Is  spiorad  tocshlaint  ctigh, 
An  ainm  an  Tighearn  losa 
Sinim  sios  gu  tdmh. 

Gus  cuideachadh  leat,  a  leughadair,  am 
BiobuU  a  rannsachadh,  agxis  taiceachadh  air 
na  geallaidhean  a  tha  sgriobhta  ann,  bu 
mhaith  leam  earrannan  sonraichte  a  bhuineas 
do'n  chuspair  air  an  robh  mi  a'  bruidhinn 
a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  ach  faigh 
fh6in  a  mach  c'aite  a  bheil  iad  r'am  faotainn 
anns  a'  Bhiobull. 

(1)  A'   ^^/iW^'gf^.  ;a  ghluaiseas  'san  dorchadas. 

(2)  Tha  cadal  oihriche  milis. 

(3)  An  uair  a  chuimhnicheas  mi  ort  air  mo 

leabaidh. 

(4)  An  uair  a  dhiiisgeas  mi  tha  mi  a  ghndth 

maille  riit.t. 

(5)  '»S    an   oidhche    hithidh    a   laoidh   maille 

rium  agus  m'  urnuigh  ri  Dia  vio 
hheatha. 

(6)  Mu    mheadhon-oidhche    sheinn-  Pol    agus 

Silas  laoidh-mholaidh  do  Dhia. 

(7)  An  sith  laighidh  md  agils  caidlidh  mi,  oir 

is  tusa  a  mhdin,  a  Thighearna  a  hheir 
orm  cdinhnuidh  a  ghahhail  gu  tea- 
rtiinte. 

(8)  Lahhraihh  r'   xir  cridhe  air  an  leahaidh. 

(9)  Dia  mo  Chruithfhear  a  tha  tahhairt  dhdn 

seachad  'san  oidhche. 

(10)  Bheir  esan  cadal  d'a  sheirein. 

(11)  Bha  an  dorchadas  a  nis  ann,    agus  cha 

robh  losa.  air  teachd  d'  an  ionnsuidh. 

(12)  Go  aca  is  faireach  no  cadal  dhuinn  gu'm 

bitheamaid  bed  mfiUle  ris. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

An  deidh  Chuilfhodair  bha  cumhachd  nam 
finneachan  Gaidhealach  air  a  bhriseadh ; 
chaidli  na  seann  nithean  seachad  is  thainig 
saoghal  ur.  Ach  fad  iomadh  bliadhna  cha 
robh  anns  an  t-saoghal  ur  sin  ach  saoghal 
bochd. 

NA  DROCH  BHLIADHNACHAN. 

Tha  corr  agvis  ceud  bliadhna  bho  thoisich  an 
imrich  sin  as  a'  Ghaidhealtachd  do  America 
leis  an  do  chaill  an  duthaich  so  cuid  de'n 
fhuil  a  b'  fhearr  a  bha  innte.  B'e  an  da 
aobhar  shonraichte  a  chuir  an  tuath  air 
falbh,  gu'n  do  thuit  pris  na  ceilpe,  agus 
gu'n  do  chuir  na  h-uachdarain  moran  de'n 
fhearann  fo^  chaoraich.  Ma's  maith  mo 
chuimhne  b'e  oighreachd  Mhic  Mhic  Alas- 
dair,  an  Gleann-garaidh,  a'  cheud  aite  anns 
an  do  chuir  peirceall  na  caorach  an  crann 
air  an  fharadh.  Bha  a'  chaora  a'  paigh- 
eadh  na  b'  fhearr  na'n  tuath.  Ann  an  1768 
b'e  mal  na  h-oighreaohd  ud  seachd  ceud 
(£700)  ach  ann  an  1802  dh'  eirich  am  mal  gu 
coig  mile  (£5,000).  Bha  droch  bhliadh- 
nachan  aig  tuathanaich-chaorach  an  deidh 
Waterloo ;  thuit  pris  na  cloimhe  is  cha  b' 
urrainn  do  mhoran  dhiubh  aonta  ur  a 
ghabhail,  ach  mu'n  bhliadhna  1835  dh' 
eirich  an  fheoil  agus  an  olann,  is  thoisich 
na  tuathanaich-chaorach  air  airgiod  a  dhean- 
amh,  gu  sonraichte  a  'chviid  dhiubh  aig  an 
robh  aonta  fhada  mu.  1845 — 65.  An  deidh 
1875  thuit  an  fheoil  agus  an  olann  a  ris. 

Aig  toiseach  na  naoieamh  linn  deug  bha 
pris  mhaith  air  a'  cheilp  a  chionn  gu  robh 
barilla  as  an  Spain  air  a  chumail  a  mach 
as  an  duthaich  leis  a'  chain  no  an  tariff  a 
chuir  a'  Pharlamaid  air ;  tariff  a  bha  cho 
ard  ri  deich  notaichean  an  tunna.  Uigh  air 
n-uigh  bha  a'  chain  so  air  a  lughdachadh, 
agus  mu  dheireadh  bha  i  air  a  toirt  dheth 
uile  gu  leir.  An  uair  a  bha  obair  na  ceilpe 
aig  a  h-aird  bha  e  air  a  radh  gu  robh  leth- 
cheud  mile  duine  a'  faotainn  am  beoshlainte 
aisde.  Aig  a'  cheart  am  anns  an  do  thuit 
am  mas  a  obair  na  ceilpe  dh'  fhas  obair  eile 
gann  cuideachd  is  thainig  dorlach  de  dhroch 
bhliadhnachan,  foghair  fhliuch  is  barr  bochd, 
air  chor  agus  gu  robh  moran  de  thuath  na 
Gaidhealtachd  a'  fulang  acrais.  Sin  an  t- 
aobhar  a  chuir  do  America  agus  do  Astralia 
agus  do  Chanada   iad. 

Ann  an  1828  (cothrom  na  bliadhna  so, 
ceud  bliadhna  air  ais)  sheol  da  shoitheach  a 
Loch-nam-Madadh  do  Chanada  is  se  ceud  de 
mhuinntir  Uidhist  air  bord,  a  dh'  iarraidh 
an  fhortain  ann  an  duthaich  ur.  An  ath 
bhliadhna  dh'    fhalbh  soitheach   as  an  eilein 


15 


Sgilheauach  do  Nova  Scotia  agus  i  Ian  le 
teaghlaichean  nach  b'  urrainn  am  be6- 
shlainte  fhaotainn  amis  an  eilein.  Dh' 
fhalbh  corr  is  niile  duine  a  Cataibh.  B'e 
am  faradh  a  phaigh  na  Sgitheanaich  a  chaidh 
do  Nova  Scotia  da  phunnd  Shasunnach  an 
ceann,  ach  bha  aca  ri  am  biadh  fein  a  thoirt 
leo.  Anns  an  fhoghar,  an  1837,  sheol  soith- 
each  a  Tobarmhoire  do  Astralia  is  se  fichead 
deug  duine  air  bord ;  coig  fichead  dhiubh  a 
Airdnamurchann  agus  Sron-an-t-sithein ; 
coig  fichead  a  Tiriodh,  se  deug  is  da  fhichead 
a  Muile  agus  I;  coig  air  fhichead  as  a' 
Mhorairne,  agus  feadhainn  a  aitean  eile  an 
Earraghaidheal.  Bha  e  air  a  radh  aig  an 
am  gu'm  b'e  na  daoine  ud  eilthirich  a  bu 
chothromaiche  a  dh'  fhag  a'  Ghaidhealtachd 
riamh.  Bha  da  dhotair  agus  da  mhaighstir- 
sgoile  leo,  is  bha  gach  comhfhurtachd  aca  a 
bha  feumail  anns  an  t-soitheach  anns  an  d' 
fhalbh  iad.  Theagamh  gu'm  b'e  so  Long 
m.hor  nan  Eilthireach  a  bha  air  a  deanamh 
ainmeil  ann  an  litreachas  ar  duthcha  leis  an 
sgeul  dhruidhteach  a  sgriobh  Tormoid  Mac 
Leoid,  Caraid  nan  Gaidheal,  uimpe. 

Ged  dh'  fhag  moran  dhaoine  a'  Ghaidh- 
ealtachd a  chionn  nach  b'  urrainn  iad  a  bhi 
heb  gun  bhiadh  gun  obair,  bha  gu  leoir  eile 
a  chaidh  thairis  le  an  saor  thoil  fein  ;  daoine 
a  bha  air  an  deagh  dhoigh  aig  an  tigh  ach  a 
bha  faireachduinn  annta  fein  gu'm  bu 
mhaith  leo  an  sgiathan  a  sgaoileadh  agus 
farsuingeachd  fhaotainn  nach  robh  ri 
fhaotainn  air  croit  anns  a'  Ghaidhealtachd. 
Ann  am  paipearan-naigheachd  an  ama  ud  tha 
e  air  a  radh  gu  robh  dol-air-irnrich  mar 
fhiabhrus  anns  an  duthaich,  a'  briseadb  a 
mach  an  drasd  's  a  ris  am  measg  dhaoine  mar 
a'  bhreac,  agus  gu  robh  daoine  'g  a  ghabhail 
o  cheile. 

Ged  dh'  fhuiling  na  oeud  dhaoine  a  chaidh 
do  Chanada  cruadal  gu  leoir  m'  an  do  chuir 
iad  suas  tighean  dhaibh  fein  agus  m'  an  do 
reitich  iad  am  fearann-aitich  bha  iad  uile 
na  b'  fhearr  am  beagan  uine  na'n  fheadhainn 
a  dh'  fhag  iad  na'n  deidh.  Eadhon  roimh 
na  bliadhnachan  anns  an  d'  fhalbh  am  bun- 
tata  bha  cor  na  Gaidhealtachd  truagh.  A 
h-uile  earrach  bhiodh  an  crodh  air  an  togail 
agus  an  dara  leth  de'n  tuath  a'  fulang  acrais. 
Ann  an  1836  bha  an  t-earrach  fuar  is  fada ; 
ann  an  Leodhas  bha  am  fodar  agus  an  geamh- 
rachadh  eile  gann ;  fhuair  corr  agus  seachd 
ceud  mart  am  bas,  agus  bha  na  caoraich  cho 
caol  's  nach  b'  urrainn  do'n  fheadhainn 
dhiubh  a  dh'  fhan  beo  uan  a  thogail.  Bhas- 
aich  miltean  de  chaoraich  ann  an  Leodhas  a' 
bhliadhna  ud.  Ged  bha  Leodhas  agus  Uidhist 
na  bu  mhiosa  na  aitean  eile  bha  a'  ghainne 
agus  a'  chaoile  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
uile,    agus    b'e    an    t-aobhar    gu    robh     stoc! 


dhaoine  air  an  fhearann  nach  b'  virrainn  am 
fearann  a  ghiulan.  Fad  bhliadhnachan  bha 
airgiod  'ga  chruinneachadh  anns  na  bailtean 
moral  agus  ann  an  Sasunn  a  h-uile  geamh- 
radh  gus  min  is  siol  a  chuir  do'n  Ghaidheal- 
tachd. 


AINEOLAS  DHAOINE. 

Ann  am  paipear  a  tha  air  a  chur  a  mach 
an  Sasunn  tha  ceistean  air  an  cur  sios 
seachduin  an  deidh  seachduin  leis  am  faod 
an  luchd-leughaidh  fliaotainn  a  mach  co  dhiu 
a  tha  iad  fein  beachdail  le'n  suil  agus  pon- 
gail  'n  am  breithneachadh  no  nach  'eil.  So 
cuid  de  na  ceistean  a  bha  ann  aon  seachduin ; 
ceistean  simplidh  mu  nithean  a  tha  mu 
choinneamh  ar  sul  a  h-uile  latha. 

(1)  An   uair   a   chailleas  craobh   a   duilleach, 

c'ar  son  nach  caill  am  meanglan  a  bha 
air  a  bhriseadh  dhith  anns  an  t-samh- 
radh,  agus  a  tha  'n  a  laighe  air  an 
talamh  foidhpe, — c'ar  son  nach  caill 
esan   a   dhuilleach  ? 

(2)  C'ar  son  a  tha  ceann  a'  bhearnain-bhride 

a'  fas  ceosach  an  uair  a  tha  e  abuich  ? 

(3)  An  uair  a  thig  duine  dluth  orra,  ciamar 

a  dhionas  a'  chearci-fhraoich  i  fein 
agus  ciamar  a  dhionas  a  h-iseannan 
iad  fein? 

(4)  C'ar  son  a  tha  da  shuil  na  liabaig  air  an 

aon  taobh? 

(5)  C'ar   son  a  bhios  druideachan  a'   dol  air 

druim  chaorach,  aguis  a'  dol  mu  chas- 
an  a'  chruidh  an  uair  a  bhios  an  crodh 
ag  ionaltradh  1 

(6)  Gu  de   an  nead  a  tha  air    a  deanamh  de 

phaipear  glas,  agus  a  bhios  an  croch- 
adh  ri  craoibh  ? 

(7)  C  aite   a  bheil  a'  bhan-righ  aig  na  seill- 

eanan  a'  posadh,  agus  c'  ar  son  nach 
'eil  iomradh  idir  air  an  righ? 

(8)  Ciamar  a  theid  aig  cuileig  air  coiseachd 

air  lobhta,  agus  a  casan  os  a  cionn? 

(9)  Gu    de    am    biadh    a    bhios    losgunn      ag 

itheadh  ?  Cia  mar  a  tha  i  'g  a 
ghlacadh  1 

(10)  C'ar  son   a  theid  cu  mu'n   cuairt  m'an 

laigh  e? 
Cia  meud  dhiubh  sin  a  fhreagradh  tu  gu 
ceart?  Cha'n 'eil  agad  ach  ceistean  beaga 
simplidh  de'n  t-seorsa  so  a  chur  ort  fhein  no 
air  daoine  eile  is  gheibh  thu  a  mach  gu  luath 
gu  bheil  e  fior  nach  'eil  daoine  a'  faicinn  ged 
tha  suilean  aca,  nach  'eil  i  a'  toirt  fanear  ged 
tha  iad  a'  sealltuinn,  agus  nach  'eil  iad  a' 
tuigsinn  ged  tha  iad  a'  cluinntinn.  Tha 
fichead  balach  ann  an  Cille-sgumain  a  dh' 
innseadh  dhuit  ann  an  Fraingeis  c'  uin  a 
rugadh  Napoleon  agus  a  mhathair,  agus  a  dh' 
innseadh  dhuit  ann    an    Laidionn  cia  meud 


16 


rodnn  a  rinneadh  air  Gaul,  ach  nach  b' 
urrainn  innseadh  dhuit  ann  an  Gaidhlig  (ged 
is  e  Gaidhlig  cainnt  am  mathar)  gu  de  an 
luibh  a  tha  anns  a'  bliearnan-bhiide,  no  c6 
iad  na  daoine  so,  Mac  Mhic  Ailein,  Mac 
Cailein,  Iain  Mac  Codrum,  Moluac  no  Calum 
na  Croige.  Na'n  robh  fhios  aig  na  balaich 
sin  gu  bheil  iad  aineolach  air  moran  nithean 
air  a  bheil  Seonaid  Eachainn  agus  cailleachan 
eile  eolach  cha  bhitheadh  an  gnothuch  cho 
dona,  ach^  is  e  an  fhior  aobhar-ghearain  an 
aghaidh  obair  nan  sgoilean  an  diugh  nach 
'eil  iad  a'  dearbhadh  an  aineolais  air  a' 
chloinn.  Tha  a'  chlann  a'  fagail  na  sgoile 
agus  iad  an  diiil  nach  'eil  dad  air  an  t- 
saoghal  nach  aithne  dhaibh  agus  nach  'eil 
diomhaireachd  air  an  t-saoghal  nach  'eil  iad 
a'  tuigsinn.  Ach  is  e  tus  a'  ghliocais  agus 
tus  an  eolais  gu'm  biodh  aineolas  fein  air  a 
dhearbbadh  air  duine. 


GACH  NI    N  A  THRATH. 

Cha  chuimhne  learn  geamhradh  a  bu  mhiosa 
na'n  geamhradh  mu  clheireadh  so.  Ged 
nach  robh  stoirm  no  sneachd  gabhaidh  againn 
uair  air  bith,  agus  ged  bha  na  rathaidean 
fosgailte  daonnan,  cha  robh  grian  ri  fhaicinn 
ach  gle  annamh  is  bha  an  geamhradh  fad  na 
h-iiine  dorcha  is  fliuch.  Thoisich  e  trath 
agus  lean  e  air  gu  toiseach  a'  Mhairt  gun  da 
la  mhaith  as  deidh  a  cheile  ach  aon  seach- 
duin  a  thainig  ann  an  deireadh  Februari. 
Ach  air  a  shon  sin  thainig  a'  ghealag-lair 
agus  an  gille-brlde  air  an  ais  thugainn  aig 
an  am  is  abhaist  daibh.  Air  a'  cheud  Shabaid 
de  Februari,  air  bord  na  braiceis  chunnaic 
mi  deich  no  dusan  de  na  gealagan-lair  air 
an  cur  ann  an  soitheach  riomhach  le  lamh  na 
bean-tighe  agam,  rud  a  tha  tachairt  a  h-uile 
bliadhna  an  uair  a  chuireas  na  ceud  fheadh- 
ainn  dhiubh  an  cinn  suas  os  cionn  an 
talaimh.  Agus  air  an  naoieamh  la  deug  de 
Februari,  agus  mi  a'  tighinn  dhachaidh  as  an 
eaglais,  chuala  mi  guileag  a'  ghille-bhride  air 
son  na  ceud  uaire  am  bliadhna,  fuaim  ris 
an  tog  mo  chridhe.  Chuala  mi  e  na  bu 
traithe  agus  chuala  mi  e  na  b'  anmoiche,  ach 
is  e  so  daonnan  an  t-am  m'  an  tig  e.  "Is 
aithne  do'n  chorra-bhain  anns  an  adhar  a 
h-am  fein,  agus  is  aithne  do'n  choluman, 
agus  do'n  chorra-mhonaidh,  agus  do'n  ghobh- 
lan-ghaoithe  am  an  teachd,  ach  cha'n  aithne 
do  m'  shluagh-sa  breitheanas  an  Tiehearna." 


BHA  LA  EILE  ANN. 

An  la  roimhe  leugh  mi  anns  a'  phaipear- 
naigheachd  rud  nach  b'  urrainn  tachairt  ann 
am  bliadhna  Thearlaich  no  ,anns  na  linntean 
roimh  sin.     Am  measg   pan   aoidhean  eile  a 


liha  aig  coinneamh  Ghaidhealach  an  Duneid- 
eann  bha  dithis  Dhomhnullach  ainmeil,  na 
cinn  aig  teaghlaichean  Shleibte  agus  Ghleann- 
garaidh.  Tha  iad  le  cheile  a'  cumail  a  mach 
gur  h-ann  aig  an  teaghlach-san  a  tha  an 
ceann-toisich  am  measg  nan  Domhnullach, 
ach  an  an  oidhche  ud.  an  uair  a  bha  iad  a' 
dol  a  steach  do'n  talla,  chaidh  croinn  a  thil- 
geil  a  dh'  fheuchainn  c6  am  fear  aca  a 
choisicheadh  air  tTioiseach  air  an  fhear  eile. 
Bha  la  eile  ann ;  la  anns  nach  b'  fhiach  leis 
na  h-uaislean  beaga  Gaidhealach,  gun  tighinn 
air  na  cinn-fheadhna,  an  uaisle  no  an  inbhe 
no  an  onoir  a  leigeil  an  urra  ri  Urim  agus 
Tumim.  B'  fhearr  leo  an  uaisle  agus  an 
ainm  a  dhion  le  neart  an  gairdein.  Theag- 
amh  gu'n  abair  cuid  gu  bheil  an  fhuil  a' 
fuarachadh,  agus  nach  'eil  siol  Mhic  Mhic 
Alasdair  dad  na's  fhearr  na  na  bodaich 
Ghallda,  an  uair  a  leigeadh  fear  dhiubh  le 
ainm  agus  urram  a  dhaoine  a  bhi  air  a  dhear- 
bhadh  le  tilgeadh  chrann,  ach  tha  an  rud  'n 
a  chomharradh  air  an  aimsir,  agais  bu  choir 
do  chuid-eigin  aire  nan  daoine  sin  a  thar- 
ruing  thuige  a  tha  'n  an  suidhe  aig  bord  na 
sithe  an  Geneva. 

Tha  atharrachadh  a'  tighinn  air  an 
t-saoghal  agus  is  maith  gu  bheil,  ann  an 
cuisean  eile  as  oudthromaiche  na  spagada- 
gliog  nan  Domhnullach.  An  uair  a  bha 
Eoghan  Mac  Leoid,  fear  de  mhuinntir  Asaint 
a  mhort  fear-paca  a  bha  siubhal  na  diithcha, 
air  a  chrochadh  an  lonarnis  bha  la  nior  an 
lonarnis,  is  thainig  na  ceudan  a  fad  is 
farsuingeachd  a  dh'  fhaicinn  an  t-seallaidh. 
Bha  a'  chroich  air  a'  cur  suas  dluth  do^'n 
chladach ;  ged  bha  a'  mhaduinn  fliuch  is 
sitoirmeil  bha  na  rathaidean-mora  gu  lonar- 
nis diimhail  le  sluagh  a'  tighinn  as  gach 
cearn  a  dh'  fhaicinn  a'  chrochaidh.  Thairg 
luchd-riaghlaidh  a'  bhaile  do  Mhac  Leoid  a 
ghiulan  ann  an  cairt  a  dh'  ionnsuidh  an  aite, 
ach  b'  fhearr  leis  coiseachd.  Bha  a'  chroich 
mu  mhile  a  dh'  astar  o'n  phriosan  ;  choisich 
e  a  h-uile  ceum  dheth,  mar  gu'm  biodh  e  aig 
a  thiodhlacadh  fein,  ministear  air  gach 
taobh  dheth,  am  ball  m'a  amhaich  agus  greim 
aig  a'  chrochadair  air,  is  luchd-riaghlaidh 
agus  seanairean  a'  bhaile  a'  falbh  gualann 
ri  gualainn  comhla  ris.  Tha  e  air  a  radh  gu 
robh  naoi  mile  duine  a'  faicinn  a'  chroch- 
aidh. An  uair  a  sheas  Mac  Leoid  air  a' 
chroich  labhair  e  greis  ris  an  t-sluag*h,  mar 
gu'm  biodh  ministear  a'  labhairt  ri  ooimh- 
tliional,  ach  ged  labhair  e  gu  crabhach  cha 
robh  ann  ach  droch  dhuine. 

Cha  b'  urrainn  a  leithid  sud  de  shealladh 
a  bhi  air  fhaicinn  an  diugh ;  is  maith  nach 
'eil  eucoraich  air  an  crochadh  am  follais  anns 
na  laithean  so  So  aon  cheiim  anns  a  bheil  am 
fasan  iir  na's  fhearr  pa'n  seanu  fhasan. 


1928. 


CRUITHNEACHD  IS  COGAL. 

Tha  rioghachd  neimh  air  a  coimeas  ri 
dtdne  a  chuir  siol  maith  ^n  a  fhearann,  ach 
an  uair  a  hha  daoine  'n  an  cadal,  thdinig  a 
namkaid,  agus  chuir  e  cogal  am  measg  a' 
chridthneachd Mata,   xiii ;  24,   25. 

Anns  a'  chosmhalachd  so  tha  Criosd  a' 
teagasg  duinn  gun  a  bhi  ag  altrum  dochas 
faoin  mu  staid  na  h-eaglais  air  thalamh. 
Tha  e  a'  toirt  duinn  taobh  de  'n  fhirinn  a 
chuireadh  iongantas  air  Eoin  a'  Bhaistidh, 
agus  a  tha  cvir  iongantais  air  moran  dhaoine 
gus  an  la  an  diugh.  Labhair  Eoin  mu'n 
Mhesiah  a  bha  ri  teachd  mar  neach  aig  a 
hheil  a  ghuit  'n  a  Jdimh,  agus  glanaidh  e 
uriar-bualaidh,  agus  cruinnichidh  e  a 
chruithneachd-  d^a  thigh-tasgaidh ;  ach  lois- 
gidh  e  am  moll  le  teine  mach  feudar  a  mhuch- 
adh.  Bha  diiil  aig  Eoin  gu'm  biodh  an  riogh- 
achd a  chuireadh  losa  air  chois  iomlan ;  gu'm 
biodh  na  h-ionracain  uile  air  an  cruinneach- 
adh  innte  agus  gu'n  tilgteadh  a  mach  aisde  na 
h-eucoraich.  Ach  anns  a'  chosmhalachd  so 
thubhairt  Criosd  r'a  dheisciobuil  gu'm 
biodh  an  cruithneachd  agus  an  cogal  a'  fas 
comhla  anns  an  eaglais  gu  brath,  agus  nach 
gabhadh  iad  dealachadh  gu  la  mor  a' 
bhreitheanais. 

I.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas  taobh 
ri  taobh  an  cridhe  gach  duine  air  thalamh. 
Cha'n 'eil  duine  air  bith  iomlan;  cha  mho 
a  tha  duine  air  bith  tur  aingidh.  Anns  na 
daoine  as  fhearr  tha  iomadh  failing ;  anns 
na  daoine  as  miosa  tha  maitheas  is  criosda- 
lachd  air  chor-eigin.  Theireadh  tu  nach 
robh  ann  an  Nero  ach  an  fhior  bhruid,  ach 
an  deidh  a  bhais,  tha  e  air  a  radh  gu'n  deach- 
aidh  cuid-eigin  air  a'  mheadhon-oidhche  a 
chur  fhliiraichean  air  an  uaigh  aige,  cuid- 
eigin  d'  am  bu  leir  caomhalachd  air  chor- 
eigin  ann  nach  fhaca  each.  Anns  na  naoimh 
as  fhearr  cha'n  'eil  an  t-achadh  aig  Criosd 
dha  fein  gu  buileach ;  anns  na  peacaich  as 
seachranaiche  cha'n  'eil  an  t-achadh  uile  gu 
leir  aig  Satan.  Tha  an  cruithneachd  agus 
an  cogal  a'  fas  taobh  ri  taobh.  Tha  e  dana, 
mata,  do  dhaoin©  a  bhi  toirt  breith  air 
daoine  eile ;  bu  choir  dhuinn  sin  fhagail  aig 
Dia.  Ma  ghabhas  sinn  gnothuch  ri  rud  nach 
buin  duinn,  agus  ri  rud  nach  aithne  dhuinn, 
is  docha  gu'n  teid  sinn  fada  cearr  agus  gu'n 
toir  sinn  cuid  nan  caorach  do  na  gobh- 
raichean.  Cha  lugha  na  Dia  fein,  an  Dia 
a  tha  iomlan  an  eolas,  an  caomhalachd,  agus 
an    co-fhaireachduinn,    a   b'    urrainn   breith 


chothromach  a    thoirt  air    ni    cho    diomhair 
agus  cho  folaichte  ri  cridhe  mhic  an   duine. 

II.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas 
taobh  ri  taobh  anns  a  h-uile  obair  ris  an  cuir 
daoine  an  lamh.  An  uair  a  sgriobh  Pol  gu 
eaglais  Chorint  mhol  e  an  eaglais  air  son  a 
h-eud;  ach  leis  an  ath  anail  thubhairt  e, 
nochdadh  dhomh  gu  hheil  cdmhstri  'n  w 
measg.  Bha  rud  maith  agus  rud  dona  anns 
na  h-aon  daoine  agus  anns  an  aon  obair. 
Cha'n  'eil  obair  air  thalamh,  eadhon  an  obair 
as  airde  agus  as  cliutiche,  nach  'eil  a  chorrag 
aig  Satan  innte.  An  uair  a  bhios  moran 
dhaoine  a'  comh-oibreachadh  maille  r'a 
cheile,  co  dhiu  a  tha  annta  ministearan  no 
gualadairean,  faodar  a  bhi  cinnteach  gu'm  bi 
farmad,  agus  uabhar,  agus  raiteachas,  agus 
droch  nadur,  'n  am  measg,  agus  iomadh  rud 
eile  nach  buin  do  Dhia  no  do'n  diadhaidh- 
eachd.  Tha  moran  dhaoine  ann  a  thilgeas 
an  obair  as  an  lamhan  mur  bheil  an  compan- 
aich  de  'n  aon  inntinn  riu  fein,  no  ma  chuir- 
ear  iad  taobh  ri  taobh  ri  companach  nach 
cord  riu.  Cha'n  'eil  an  sin  ach  comharradh 
an  leanabais.  Bha  cuid  de  na  comh-oibrich- 
ean  a  bha  aig  Pol  ann  an  seirbhis  an  t-sois- 
geil  nach  robh  a  reir  inntinn ;  bha  cuid 
dhiubh  a'  searmonachadh  Chriosd  tre  fhar- 
mad  agus  tre  chonnspoid,  agus  ag  iarraidh 
gloire  dhaibh  fein,  ach  cha  do  chuir  sin  ion- 
ghnadh  no  fearg  air  Pol,  agus  is  e  a  thubh- 
airt e,  "Ciod  ma  ta  ?  Co  aca  is  ann  an  coslas 
no  ann  am  firinn  a  tha  Criosd  air  a  shear- 
monachadh  tha  mise  a'  deanamh  gairdeach- 
ais. "  Bu  bhochd  cor  an  t-saoghail  na'n 
do  thilg  an  Slanuighear  beannaichte  obair 
na  rioghachd  as  a  lamhan  seach  leithid 
ludais  a  bhi  ag  oibreachadh  comhla  ris. 
Ghiulain  e  le  aineolas  agus  failingean 
dhaoine  le  faighidinn.  B'e  ludas  dias 
cogail  cho  salach  agus  cho  puinn-seanta 
's  a  dh'  fhas  riamh  ann  an  achadh, 
ach  cha  do  spion  Criosd  as  an  talamh  eadhon 
an  dias  sin.  Leig  e  le  ludas  fas  ri  taobh 
Eoin. 

III.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas 
comhla  anns  an  eaglais.  Bha  cealgairean 
agus  mealltairean  anns  an  eaglais  o  thois- 
each,  agus  bithidh  cealgairean  agus  meall- 
tairean anns  an  eaglais  gu  deireadh  an  t- 
saoghail.  Tha  Criosd  a'  teagasg  anns  a' 
chosmhalachd  so  gur  h-olc  an  gnothuch  a  bhi 
mar  sin,  ach  nach  gabh  e  leasachadh  an 
drasd.  An  uair  a  bha  e  air  thalamh  bha 
cuid  'g  a  leantuinn,  cha'n  ann  a  chionn  gu'n 
do  chreid  iad  ann,  ach  a  chionn  gu'n  d'  ith 


18 


iad  de  j,ia  builinnibh  agus  gu'n  do  shasuich- 
eadh  iad.  Tha  gu  leoir  de  dhaoine  anns  an 
eaglais  daonnan  a  tha  na  's  gaolaiche  air 
ainm  na  diadhaidheachd  na  tha  iad  air  to- 
radh  na  diadhaidheachd.  Is  maith  leo  a 
bhi  air  an  aireamh  am  measg  nan  caorach 
ged  nach  maith  leo  dealachadh  ri  nadur  nan 
gobhar.  Aidichidh  iad  ainm  Dhe  am  follais 
ach  an  uaigneas  cha  dean,  iad  a  thoil.  Achged 
tha  a'  chealgaireachd  dona  gu  leoir  ann  an 
nithean  saoghalta  tha  i  seachd  uairean  na's 
miosa  ann  an  nithean  spioradail.  Faod- 
aidh  na  mealltairean  sgleo  a  chur  air  suilean 
dhaoine  ach  cha  chuir  iad  sgleo  air  suilean 
an  Tighearna  a  tha  mar  mhile  coinneal. 

IV.  An  aill  leat  gu'n  teid  sinne  agus  gu'n 
cruinnich  sinn  ri  cheile  iad?  Is  duine 
suarrach  an  duine  nach  tainig  e  riamh 
'n  a  inntinn  an  glanadh  ceudna  a  dhean- 
amh.  air  eaglais  Chriosd  a  thairg  na 
seirbhisich  ud  a  dheanamh  air  an  achadh 
arbhair.  Air  uairean  saoilidh  sinn  gu'n 
gabhadh  an  rud  deanamh,  ach  tha  Criosd  a' 
teagasg  anns  a'  chosmhalachd  so  nach  'eil 
6  cho  furasda  's  a  tha  sinn  an  diiil.  Uair 
no  dha  ann  an  eachdraidh  na  h-eaglais  dh' 
fheuch  daoine  ris  a'  ghlanadh  so  a  dhean- 
amh; dh'  fheuch  iad  ri  dealachadh  a  chur 
eadar  an  cruithneachd  agus  an  cogal,  ach  an 
uair  a  sheallas  sinn  air  ais  air  na  h-amannan 
sin  chi  sinn  nach  e  maith  ach  cron  a  bha  air 
a  dheanamh,  oir  thilg  an  eaglais  a  mach  na 
martaraich  agus  feadhainn  eile  ris  an  abair 
sinn  an  diugh  smior  a'  chruithneachd.  An 
uair  a  thoisichear  air  spionadh,  bidh  diasan 
de'n  chruithneachd  air  an  spionadh  cho 
rahaith  ris  a'  chogal.  Faodaidh  Cleir  is  Seis- 
ein  gach  dearbhadh  as  urrainn  daibh  a  chur 
air  buill  na  h-eaglais  a  thaobh  am  beatha 
agus  an  creidimh,  ach  'n  a  dheidh  sin  's  air 
fad,  bidh  an  cruithneachd  agus  an  cogal  's  an 
eaglais  fhaicsinnich  daonnan.  Bidh  cuid  a 
muigh  a  bu  choir  a  bhi  stigh,  is  bidh  ain- 
mean  air  an  sgriobhadh  air  leabhraichean 
comanachaidh  nach  'eil  air  an  sgriobhadh  an 
Leabhar  na  Beatha  air  neamh.  Cha  bhi 
diomhaireachd  an  Leabhair  sin  air  fhoill- 
seachadh  gu  la  mor  a'  bhreitheanais,  an  uair 
a  chuireas  Mac  an  duine  a  mach,  mar  bhuan- 
aichean,  na  h-ainglean  agus  a  thionaileas 
iad  as  a  rioghachd  na  h-uile  nithean  a  bheir 
aobhar-tuislidh,  agus  iadsan  a  tha  a'  dean- 
amh   eucoir. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

An  la  roimh  fhuair  mi  litir  a  Glaschu  bho 
dhuine  nach  aithne  dhomh  ;  chuir  e  ainm  ris 
an  litir  ach  cha  do  chuir  e  a  shloinneadh 
rithe,  is  tha  mile  duine  de'n  cheart  ainm  an 


Glaschu.  Gabhadh  e  mo  lethsgeul,  mata,  a 
chionn.  nach  do  cjiuir  mi  fios-freagairt 
tbuige.  So  an  litir,  ach  tha  mi  a'  fagail  a 
mach  rud  no  dha  innte  nach  bu  mhaith  leis 
fhaicinn  air  an  duilleig  so,  agus  nach  bu 
mhaith  leam-sa  a  thoirt  am  follais  gun  a 
chead. 

"Tha  mi  a'  leughadh  an  Fhianuis  ii  h- 
uile  uair  a  thig  e  mach,  agus  bu  mhaith 
learn  beagan  fhacal  a  radh  mu'n  rud  a 
thu^bhairt  sibh  anns  an  aireamh  mu  dheir- 
eadh,  le  bhur  cead.  Tha  mi  buidheach 
nach  'eil  e  'n  ur  beachd  sgur  de  'n  t-sear- 
moin,  oir  ged  tha  notaichean  air  Spurgeon 
is  daoine  mora  eile  maith  gu  leoir  'n  an 
aite  fein  cha'n  e  sop  as  gach  seid  a  tha 
dhith  air  a'  chuid  as  mo  d'  ur  leughadair- 
ean.  Tha  searmoin  priseil,  agus  fhad  's 
a  bhios  ministearan  a'  creidsinn  an  eif- 
eachd  na  searmoin  gu  leas  spioradail 
chloinn  daoine  gheibh  i  a'  cheud  aite  'n 
am  beachd  agus  'n  an  obair.  Chuala  mi 
searmoin  Ghaidhlig  air  an  wireless  air  an 
t-Sabaid  so  chaidh.  B'e  an  t-OUamh  Tor- 
mad  Mac  Illeathain  an  searmonaiche,  is 
bha  an  t-searmoin  maith  is  taitneach  'g  a 
cluinntinn.  Nach  iongantach  an  doigh 
anns  am  bi  daoine  a'  fuaimneachadh  fhacal 
a  reir  an  aite  anns  an  deachaidh  an  togail ! 
An  aite  chtt/m  an  dream  a  radh  thubhairt 
e  chom  an  dram,  ged  nach  cuir  an  duine 
coir     foghluimte     boinne     de'n    dram    r'a 

bheul Bu  mhaith  learn  an  uair  a  thig 

an  la  anns  am  bi  cuimhne  air  a  dheanamh 
air  a'  mhartarach  uasal,  Padruig  Hamil- 
ton, 'n  an  tugadh  sibh  iomradh  air 
anns  an  Fhianuis.  Bhiodh  beagan 
seanchais  air  mar  tha  am  Papa  a' 
feuchainn  ri  sgoilean  a  chur  air  na 
rates  ann  an  Sruidhla  anabarrach  frea- 
garrach  gu  bhi  Anns  a  Chathair.  ,  .  .  .  . 
Tha  a'  Ghaidhlig  a  bhios  sibh  a'  sgriobh- 
adh anabarrach  furasd  a  levighadh ;  na'n 
gabhadh  an  Comunn  Gaidhealach  leasan 
bhuaibh  cha  bhiodh  an  cuid-obair  cho 
doii-bh  r'a  leughadh " 

An  uair  a  leugh  mi  an  corr  de  na  briath- 
ran  coibhneil  a  sgriobh  an  duine,  briathran 
nach  b'  urrainn  domh  a  chur  sios  air  an  duil- 
leig so  air  sgath  mo  naire,  dh'  eirich  mi  'n 
am  sheasamh  is  rinn  mi  mar  a  rinn  an  coil- 
each  a  bha  aig  Mor  Bhan ;  ghlaoidh  mi 
Ta-ra-ra-hoom-de-ay.  Muinntir  a'  Chom- 
uinn  Ghaidhealaich  a  bhi  gabhail  leasan 
bhuam-sa  !     Sin  aca  sin  ! 

Theagamh  nach  toigh  leis  an  fhear  a 
sgriobh  an  litir  thugam  na  daoine  ris  an  ab- 
rar  na  Higher  Critics,  ach  na'm  bithinn-sa  a' 
dol  a  sffriidadh  na  litreach  ud  cho  curamach 


19 


agus  a  bhios  na  Higher  Critics  a'  sgrudadh 
litiichean  Phoil,  theiiinn  amis  a'  cheud  aite 
gui-  Tuathacli  am  fear  a  sgiiobli  i,  agus  amis 
an  ath  aite  iiach  ami  do  eaglais  na  h-Alba 
a  bhuineas  e.  Cha'n  aim  againne  acli  aig 
eaglais  eile  a  tha  am  paipear  ris  an  abrar 
an  Fhianvis,  agus  cha  mho  a  bhios  na  daoine 
againne  a'  cleachdadh  an  fhacail  Moderates, 
facal  a  dh'  uisnich  esan  ann  an  cuid  de  'n 
litir  a  dh'  fhag  mi  a  mach.  Cha  mho  a 
chluinnear  na  daoine  againne  a'  cleachdadh 
an  fhacail  notaichean  ;  ma  chluinneas  is  ann 
gle  annamh. 

Ach  gus  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  a'  ghiioth- 
uich  a  thug  air  an  duine  sgriobhadh  thugam, 
agus  a  tha  toirt  orm-sa  an  litir  aige  a  chur 
sios  air  an  duilleig  so,  tha  mi  toilichte  a 
chluinntinn  gu  bheil  meas  aige  air  searmon- 
achadh  an  Fhacail.  Tha  iomadh  doigh  aig  Dia 
air  a  ruintean  a  choimhlionadh  agus  a  riogh- 
achd  a  chur  air  chois  anns  an  t-saoghal  ach 
tha  eachdraidh  nan  linntean  a  chaidh  seachad 
a'  teagasg  duinn  nach  'eil  doigh  eile  as  ur- 
rainnear  a  choimeas  ri  searmonachadh  an 
Fhacail  a  thaobh  cumhachd  is  buannachd 
spioradail.  G^d  nach  'eil  e  maith  do  mhin- 
istearan  a  bhi  'gan  ardachadh  fein  tha  e  ceart 
daibh  an  oifig  naomh  mar  theachdairean  ar- 
dachadh ;  tha  coir  aca  a  chuimhneachadh 
daonnan  gu  bheil  beatha  agus  brigh  agus 
cumhachd  ann  am  Facal  an  Tighearna  a  dh' 
aindeoin  cho  beag  agus  suarrach  's  a  dh' 
fhaodas  an  talantan  fein  a  bhitli.  Thubhairt 
an  duine  diadhaidh  R.  M.  Mac  Cheyne  uair- 
eigin  gu'n  do  cheasnaich  e  gu  trie  daoine  a 
bha  air  an  iompachadh  fo  a  shearmonachadh 
ach  nach  do  thachair  dviine  riamh  air  a  bha 
air  iompachadh  le  a  bhriathran-san,  no  le 
rud  air  bith  a  thubhairt  e  anns  a'  chubaid ; 
bha  iad  uile  air  an  glacadh  le  facal  air  chor- 
eigin  anns  a'  Bhiobull  a  ghreimich  air  an  inn- 
tinn.  Sin  mar  tha  am  Biobull  'g  a  dhear- 
bhadh  fein  ami  am  beatha  an  t-saoghail 


Am  Papa  agus  na  Sgoilean. 

Ged  nach  'eil  fhios  agam-sa  ciod  a 
tha  na  Paj^anaich  ag  radh  no  a'  dean- 
anih  an  Sruidhla  niu  na  sgoilean,  tha 
amharus  again  nach  'eil  iad  a'  deanamh  ach 
mar  tha  gach  comunn  eile  anns  an  duthaich 
a'  deanamh,  a'  feuchainn  ri  uiread  airgid  's 
is  urrainn  daibh  fhaotainn  a  sporan  na 
rioghachd  agus  a  sporan  na  siorramachd. 
Ma'  s  peacadh  sin,  c6  idir  a  bhitheas  air  a 
thearnadh  an  diugh  ?  B'  abhaist  do'n  duine 
chaomh,  an  t-Ollamh  Iain  Watson  nach 
maireann,  a  bhi  'g  radh,  "  an  uair  a  dh' 
fhasas  ministear  de  'n  eaglais  Sleidhichte 
leasg  toisichidh  e    air   a   sheann    searmoin    a 


shearmonachadh,  ach  an  uair  a  dh'  fhasas 
ministear  de'n  eaglais  Shaoir  leasg  toisichidh 
e  air  a'  Phapa  a  chaineadh."  Co  mise  gu'n 
gabhainn  orm  fein  achmhasan  a  thoirt  do 
Easbuig  no  do  Phapa,  no  gu'n  rachainn  anns 
an  eadarginn  eadar  muinntir  Shruidhla  agus 
an  eap-lais  Naomh  Choitchionn. 


Padraig  Hamilton. 

B'e  an  naoieamh  la  fichead  de  Februari  co- 
ainm  an  la  air  an  do  loisgeadh  am  niartarach 
6g  so  an  Cill-ribhinn  bho  chionn  ceithir  cheud 
bliadhna.  Bha  tri  nithean  a'  comh-oibreach- 
adh  maille  r'a  cheile  gus  ceann-toisich  a 
thoirt  do  Phadruig  Hamilton  am  measg  nam 
niartarach  eile  an  Albainn,  uaisle>  oige,  agus 
ionracas  an  duine.  A  thuilleadh  air  sin, 
ghiulain  e  e  fein  le  a  leithid  de  fhaighidinn 
agus  de  mhisnich  an  uair  a  rinn  na  lasraich- 
ean  groim  air  fheoil  's  gu'n  do  dhruidh  an 
sealladh  gu  nior  air  an  fheadhainn  a  chun- 
naic  e,  agus  chaidh  an  sgeul  am  farsuing- 
eachd  air  feadh  na  tire  uile.  Theagamh 
nach  robh  na  daoine  a  chur  gu  bas  e  a'  ciall- 
acliadh  bruidealas  a  dheanamh  air  nach  ruig- 
eadh  iad  a  leas,  ach  bha  obair  an  la  ud  cho 
bruideil  's  gu'n  cuireadh  i  goirisinn  air  feoil 
Chalcroft  fein.  Bha  an  la  fuar  is  fiiuch ; 
cha  robh  am  fiodli  leis  an  robh  an  teine  air 
fhadadh  tioram,  agus  bha  Padraig  Hamilton 
se  uairean  a  dh'  uine  anns  na  lasraichean  m' 
an  tug  e  suas  an  deo,  "  air  a  rostadh  agus 
cha'n  ann  idir  air  a  losgadh"  mar  thubhairt 
fear  de  na  bha  timchioll  air. 

Tha  e  fior  daonnan  gur  e  full  nam  niartar- 
ach siol  na  h-eaglais,  ach  tha  e  fior  an  doigh 
shonraichte  a  thaobh  an  duine  so.  Ged  bha 
e  marbli  lean  e  air  labhairt  ri  oigridh  na  h- 
Alba ;  agus  bha  barrachd  cumhachd  'na  bhas 
gus  Athleasachadh  na  h-eaglais  a  chur  air 
aghaidh  na  bha  ann  an  searmonachadh 
Lutheir. 

B'e  a'  chuis-dhitidh  a  bha  aig  an  eaglais 
Phapanaich  'n  a  aghaidh,  gu'n  do  theagaisg 
e  na   nithean  so, 

(l)Gu  bheil  an  duine  air  fhireanachadh 
cha'n  ann  le  oibrichean  ach  le  creid- 
eamh  a  mhain. 

(2)  Gu  bheil  creideamh  agus  gradh  agus 
dochas  air  an  ceangal  r'a  cheile  cho 
dluth  's  gu  bheil  iad  uile  aig  duine,  ma 
tha  aon  dhiubh  aige ;  agus  ma  tha  aon 
dhiubh  'g  a  dhith,  tha  iad  uile  'g  a 
dhith. 

(3)  Nach  e  oibrichean  maithe  a  tha  dean- 
amh an  duine  niaith  ach  gu'n  dean 
duine  maith  oibrichean  maithe. 

Cha  loisgear  duine  gu  brath  tuilleadh  an 
Albainn  air  son  a  bheachdan,  agus  theagamh 


20 


nach  cronaicheadh  an  t-Ard  Sheanadh  duine 
an  diugh  ged  thoisicheadh  e  air  beaclidan 
a  theagasg  a  bheireadh  air  Calvin  agus  Iain 
Knox  carachadh  anns  an  uaigh.  Tha  daoine 
agus  eaglaisean  air  fas  na's  glice  na  bha  iad  : 
tha  iad  air  leasan  ionnsachadh  a  dh'  fhaod- 
adh  iad  ionnsachadh  o  Ghamaliel  o  chionn 
nan  ceudan  bliadhna,  "Na  gabhaibh  gnoth- 
uch  ris  na  daoine  so,  agus  leigibh  leo  :  oir 
ma's  ann  o  dhaoine  a  tha  a'  chomhairle  so, 
no  an  obair  so,  tilgear  bun  os  cionn  i  :  ach 
ma's  ann  o  Dhia  a  tha  i,  cha  'n  urrainn  duibh 
an  cur  fodha." 

***** 
Am  facal  mu  dheireadh. 

Uair-eigin  an  uiridh  dh'  iarr  Sir  Seumas 
Marchant,  K.B.E.,  LL.D.,  duine  aig  a  bheil 
ealadhain  anabarrach  air  gach  seorsa  treath- 
laich  a  chruinneachadh,  air  ministearan 
sonraichte  an  searmon  sin  a  chur  thuige  a  bu 
mhaith  leo  a  liubhairt  mur  biodh  aca  ach  aon 
searmon  ri  shearmonachadh.  Tha  na  sear- 
moin  sin  a  nis  air  an  cur  a  mach  ann  an 
leabhar,  is  phaigh  mise  seachd  is  se  sg-illinn 
air,  ach  tha  aithreachas  orm  gu'n  do  phaigh, 
oir  bhithinn  fada  na  b'  fhearr  dheth  na'n  d' 
fhuair  mi  Almanac  Whitaher  'n  a  aite.  Cha 
'n  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  'eil  na  searmoin 
maith ;  tha  na  searmoin  maith  gu  leoir ;  tha 
iad  cho  maith  ris  na  daoine  urramach  a 
sgriobh  iad.  Is  e  a  tha  mi  ciallachadh  nach 
'eil  eadar-dhealachadh  air  bith  eadar  riu 
agus  na  searmoin  eile  a  bhios  ministearan  a' 
searmonachadh  a  h-uile  Sabaid.  An  uair  a 
chunnaic  mi  an  tiotal,  Mur  hiodh  agam  ach 
aon  searmon  ri  liuhhairt,  shaoil.  mi  gu'm 
faighinn  beachd  nan  daoine  ud  air  a'  cheist, 
Ciod  e  cridhe  an  t-soisgeil,  ach  tha  amharus 
agam  a  nis  nach  do  rinn  iad  ach  a'  cheud 
shearmon  a  dh'  amais  orra  a  shineadh  do  Shir 
Seumas  Marchant.  Shiab  e  am  maodhar 
fo  an  sronan  ach  cha  do  ghlac  na  h-eisg  an 
dubhan.  Is  e  an  rud  a  chuir  far  ran  orm 
uile  gu  leir  gu'n  do  ghabh  mi  fein  am 
maodhar  no  a'  chuileag  a  shiab  sliochd 
Bharabbais  thairis  orm ;  gu  robh  mi  cho 
gorach  agus  gu'n  do  leig  mi  le  tiotal  an 
leabhair  mo  mhealladh,  a  dh'  aindeoin  leasan 
a  fhuair  mi  o  thoisich  mi  air  leabhraichean 
a  cheannach.  A  thaobh  an  dara  leth  de  na 
leabhraichean  a  tha  air  an  cur  an  clo  tha  e 
fior  gur  e  an  tiotal  a'  chuid  as  fhearr  dhiubh. 
Duisgidh  an  tiotal  dochas  annad  ach  an  uair 
a  thoisicheas  tu  air  na  duilleagan  a  thionn- 
dadh  cha*n  'eil  agad  ach  brochan  tana  is 
meug. 

Cha'n  e  broctian  tana  is  meug  a  tha  anns 
na  searmoin  so ;  bhiodh  iad  buannachdail  is 
freagarrach  aig  am  air  bith  agus  an  aite  air 
bith,  ach  na'm  biodh    Easbuig  Lunnainn    a' 


bruidh'inn  ri  coimhthional  mor  agus  fhios  aige 
nach  cludnneadh  iad  a  ghuth  gu  brath  tuill- 
eadh,  no  nach  cluinneadh  iad  teachdaireachd 
an  t-soisgeil  gu  brath  tuilleadh  tha  amharus 
agam  nach  gabhadh  e  an  oeann-teagaisg, 
Shuidh  lehobhah  'n  a  righ  air  an  tuil ;  seadh 
suidhidh  lehobhah  'n  a  righ  gu  siorruidh. 


Toilichte  le  'ur  tuarasdal. 

Cia  meud  ministear  an  Albainn  a  ghabh  an 
ceann-teagaisg  so  riamh,  Bithibh  toilichte 
le  'ur  tuarasdal,  Lucas  Hi.  14?  Agus  ciod 
an  t-aobhar  nach  do  ghabh  1 

Tha  aobhar  no  dha  air.  Tha  gu  leoir  de 
na  ministearan  nach  'eil  toilichte  le  'n  tuar- 
asdal fein ;  cha  bhiodh  e  furasda  dhaibh  sin 
iarraidh  air  daoine  eile  rud  a  dheanamh 
nach  'eil  iad  fein  a'  deanamh.  Tha  cuid  eile 
de  na  ministearan  a  tha  toilichte  gu  leoir  le'n 
tuarasdal,  ach  cha  bhiodh  e  furasda  dhaibh 
sin  iarraidh  air  daoine  eile  a  bhi  toilichte  le 
tuarasdal  a  tha  mor  an  na's  lugha  na'n  tuar- 
asdal fein.  Tha  an  da  sheorsa  a'  deanamh 
dearmaid  air  an  fhacal  so  a  chionn  gu  bheil 
eagal  orra  roimh  'n  t-sluagh ;  tha  eagal  aig 
a'  chubaid  roimh  'n  t-suidheachan.  Sin 
agad  mathair-aobhair  nan  trioblaidean  a  tha 
tighinn  air  an  eaglais  an  diugh;  tha  e  dhith 
oirre  an  sluagh  uile  a  chumail  innte,  ach  tha 
fhios  aice  gu'n  toir  i  oilbheum  do'n  t-sluagh 
ma  bheir  i  dhaibh  uile  chomhairle  Dhe,  agus 
gu'm  fag  moran  dhiubh  i. 

Bha  la  ann  a  bha  na  daoine  mora  agus  na 
daoine  beartach  'n  an  cuis-eagail,  ach  an 
diugh  is  e  an  luchd-oibre,  a  tha  lionmhor  mar 
na  seilleinean,  a  bhios  a'  cur  eagail  oirnn 
uile.  Cha'n  'eil  daoine  beartach  anns  a' 
choimhthional  agam-sa,  ach  tha  na  fich- 
eadan  ann  de  dhaoine  nach  'eil  toil- 
ichte le  'n  tuarasdal.  Leigeadh  iad  learn 
rud  air  bith  a  thograinn  a  radh  mu 
dhaoine  beartach,  agus  cho  fad  's  a  tha  an 
seorsa  sin  air  falbh  o  riogbachd  Dhe,  ach  na'n 
tugainn  a  mach  an  ceann-teagaisg  so,  Bithibh 
toilichte  le  ^ur  tuarasdal,  agus  na'n  gabhainn 
orm  fhein  a  radh  nach  'eil  luchd-oibre  Bhrea- 
tuinn  uile  iomlan,  bhiodh  an  dara  leth  dhiubh 
air  falbh  do'n  eaglais  a  tha  air  taobh  eile  na 
drochaid.  Sin  agad,  a  leughadair,  ceist  a 
bhios  a'  cur  dragh  orm-sa  daonnan,  Ciamar 
a  ghabhas  an  Tiomnadh  Nuadh  a  bhi  air  a 
theagasg  gun  oilbheum  a  thoirt  do  dhaoine? 
Agus  bidh  e  a'  tighinn  a  steach  air  m'  inntinn 
gur  6  an  comharradh  as  fhearr  air  ministear, 
cha'n  e  gu'n  do  lion  e  eaglais  ach  gu'n  d'  fhal- 
mhaich  e  i.  Ciod  a  bha  Criosd  a'  ciallach- 
adh an  uair  a  thubhairt  e.  Mo  thruaighe 
sibhse  an  uair  a  labhras  na  h-uile  dhaoine 
maith    iimaibh  ? 


1928. 


AITHREACHAS  CRICHE. 

losa,  cuimhnich  ormsa  an  uair  a  thig  thu 
ann  ad  rioghachd.  Agus  thuhhairt  esan  ris, 
Gu  deimhin  tha  mi  ag  rcidh  riut.  An  diugh 
hithidh  tu  maille  riumsa  ann  am  Paras. 

— Lucas,   xxiii.  42-43. 

An  la  roimh  leugh  sinn  anns  na  paipear- 
an-naigheachd  mu  dha  dhuine  a  fhuaradh 
ciontach  de  mhort,  agus  air  an  tug  am 
bi-eitheamh  a  mach  binn  an  crochaidh.  Ged 
tha  an  lagh  na's  cruaidhe  na'n  soisgeul  tha 
iochd  eadhon  anns  an  lagh ;  le  lagh  na  diith- 
cha  so  tha  seachduin  no  dha  air  a  thoirt 
do  dhaoine  a  tha  ri  bhi  air  an  crochadh 
gus  an  tigh  a  chur  an  ordugh,  agus  ullach- 
adh  a  dheanamh  air  son  na  siorruidheachd. 
Tha  cead  air  a  thoirt  do  mhinistear  no  do 
shagart  air  bith  a  roghnaicheas  iad  dol  thuca 
gus  earailean  agus  sochairean  na  h-eaglais 
a  thoirt  daibh,  agus  urnuigh  a  dheanamh 
maille  riu. 

Ach  ciod  a  b'  urrainn  ministear  no  sagart 
a  radh  ri  peacach  a  bha  ri  bhi  air  a  chroch- 
adh  am  maireach  mur  biodh  an  naigheachd 
80  air  a  sgriobhadh  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh? 

Tha  rud  no  dha  anns  an  naigheachd  nach 
toigh  le  cuid  de  dhaoine,  gu  sonraichte  na 
daoine  aig  a  bheil  an  inntinn  laghail  agus 
an  inntinn  nadurra.  Bhiodh  am  barrachd 
meas  aca  air  gliocas  Chriosd  na'n  do  fhreag- 
air  e  an  gaduiche  mar  a  fhreagair  e 
Herod  agus  Pilat ;  na'n  d'  fhan  e  samhach. 
Cha'n 'eil  na  daoine  sin  a'  creidsinn  ann 
an  aithreachas-criche  no  ann  an  iompach- 
adh  obann ;  ma  tha  a  leithid  de  ni  agus 
iompachadh  a'  tachairt,  their  iad  nach  'eil 
e  a'  tachairt  ach  ann  am  fior  dhroch 
dhaoine,  no  ann  an  daoine  anns  n,ach  'eil 
taic  no  seasmhachd  gu  nadurra,  a  tha 
daonnan  fo  bhuaidh  am  faireachduinnean 
a  chionn  gu  bheil  inntinnean  aotrom  aca  a 
tha  luasganach  agus  air  bhogadan ;  ann  an 
aon  fhacal  their  iad  nach  'eil  anns  na  daoine 
a  bhios  ag  radh  gu  robh  iad  air  an  iompach- 
adh ach  daoine  nach  'eil  coltach  ri  daoine 
eile. 

Ach  tha  ni-eigin  anns  an  t-soisgeul  a 
bhitheas  'na  chnap-starra  agus  'n  a  ion- 
ghnadh  do'n  inntinn  laghail  agus  do'n  inn- 
tinn nadurra  gu  brath,  oir  ciod  a  tha  anns 
an  t-soisgeul  ach  saor-ghras  Dhe,  saor-ghras 
an  Ti  bheannaichte  a  tha  a  smuaintean  agus 
a  dhoighean  agus  a  ruintean  na's  airde  na 
smuaintean  agus   doighean  agus  ruintean  na 


h-inntinn  laghail.  Mur  bheil  daoine  iom- 
paichte  coltach  ri  daoine  eile  cha  mho  a  tha 
gras  Dhe  coltach  ri  rud  eile  air  thalamh. 

Tha  an  naigheachd  so  a'  teagasg  nach  'eil 
am  peacach  as  miosa  air  thalamh  air  fhagail 
gun  dochas ;  gu'n  ruig  trocair  an  Tighearna 
eadhon  airsan.  Ma  tha  neach  ann  a  dh' 
fhaodadh  tu  a  radh  uime  nach  'eil  duine 
eile  air  thalamh  cho  aingidh  ris  tha  an  sois- 
geul a'  toirt  dochais  eadhon  dhasan,  is  tha 
gras  Dhe  comasach  air  a  thearnadh. 

Theagaisg  losa  so  aig  amannan  eile  agus 
ann  an  doighean  eile  ;  theagaisg  e  e  ann  an 
cuid  de  na  cosmhalachdan  a  labhair  e,  ach 
air  a'  chrann-cheusaidh,  an  uair  a  thubhairt 
e  ris  a'  ghaduiche,  "  An  diugh  bithidh  tu 
maille  riumsa  ann  am  Paras,  theagaisg  e  e 
ann  an  doigh  cho  driiidhteach  's  nach 
urrainn  an  saoghal  gun  aire  agus  geill  a 
thoirt  da. 

Thug  Tighearna  an  fhion-lios  paigheadh- 
latha  do'n  fheadhainn  nach  do  thoisich  gu 
anmoch  's  an  fheasgar.  Tha  e  ceadaichte 
do  Dhia  an  ni  as  aill  leis  a  dhean- 
amh; tha  gras  a'  dol  os  cionn  ceartais, 
is  tha  Dia  a'  toirt  do  pheacaich  nithean  as 
fhearr  na  thoill  iad ;  nithean  ris  nach  eil  duil 
aca,  nithean  a  dh'  fhagas  balbh  iad  le  moit 
is  ionghnadh 

Cha'n  'eil  againn  anns  na  soisgeulan  ach 
criomain  bheaga  de  'n  naigheachd  so,  air 
chor  agus  nach  'eil  fhios  againn  ciamar  a 
thoisich  spiorad  an  Tighearna  air  labhairt 
ri  cridhe  a'  ghaduiche,  no  ciod  an  ni  s6n- 
raichte  a  chunnaic  e  aig  a'  chrann-cheusaidh 
a  dh'  fhosgail  a  shuilean.  Ach  co  dhiu  bha 
a  shuilean  air  am  fosgladh,  is  chunnaic  e  an 
da  chuid  gu  robh  feum  aige  air  trocair,  agus 
gu  robh  trocair  agus  maitheas  Dhe  a'  deal- 
radh  ann  an  aodann  losa.  "  losa," 
ghuidh  e,  "cuimhnich  ormsa  an  uair  a  thig 
thu  ann  ad    rioghachd." 

Theagamh  gur  e  ciuine  agus  faighidinn 
losa,  an  uair  a  rinn  droch  dhaoine  magadh 
agus  eucoir  air,  a  dh'  fhosgail  a  shuilean; 
air  neo  an  urnuigh  a  chual  e  losa  ag  radh 
gu  beag  ris  fein,  "  Athair  thoir  maitheanas 
dhaibh,  oir  cha'n  'eil  fhios  aca  ciod  a  tha 
iad  a'  deanamh."  Leis  na  nithean  sin 
labhair  spiorad  an  Tighearna  r'a  choguis ; 
"Tha  sinne,"  ars'  esan,  "a'  faotainn  nan 
nithean  a  thoill  ar  gmomharan  :  ach  cha 
do  rinn  an  duine  so  ni  cearr." 

Eadhon  air  a'  chrann-cheusaidh  cha  b'  ann 
air  pian  fheola  f^in  a  bha  losa  a'  smuain- 
eachadh  ach  air  ruintean  grasmhor  Athar  a 


choiiuhlionadh ;  bha  am  facal  ceart  deas  aige 
do'n  ghaduiche,  "  Gu  deiniliin  tha  mi  ag 
radh  riut,  An  diugh  bithidh  tu  maille  rium- 
sa  ann  am  Paras." 

Mar  thubhairt  mi  cheana  tha  moran 
dhaoine  ann  nach  'eil  a'  creidsinn  ann  an 
iompachadh  no  ann  an  aithreachas-criche, 
agus  tha  daoine  eile  ann  nach  'eil  a' 
creidsinn  gu'm  bi  neach  air  bith  air 
a  thearnadh  mur  robh  e  air  iompach- 
adh gu  h-obann.  Tha  iad  le  cheile 
cearr.  Tha  a'  cheart  uiread  athar- 
rachaidh  ann  am  fiosrachadh  dhaoine 
a  thaobh  na  beatha  spioradail  's  a  tha  ann 
am  fiosrachadh  dhaoine  a  thaobh  nithean 
eile.  Cha  do  rinn  Dia  daoine  coltach  ri 
cheile,  is  cha  fhreagair  cridheachan  dhaoine 
do  rud  air  bith  air  an  t-saoghal  anns  an 
aon  doigh. 

Cha'n  e  comunn  cumhann  ach  comunn 
coitchionn  a  tha  ann  an  eaglais  Dhe,  is  tha 
eaglais  Dhe  a'  gabhail  a  steach  gach  neach 
air  thalamh  aig  a  bheil  gradh  do  C'hriosd, 
ciod  air  bith  an  doigh  anns  an  d'  fhuair  iad 
eolas  air.  A  thaobh  am  fiosrachaidh  spiora- 
dail tha  cviid  de  dhaoine  coltach  ri  Samuel, 
a'  fas  5uas  ann  an  eagal  agus  ann  an  seir- 
bhis  an  Tighearna  o  laithean  an  leanabais, 
air  chor  agus  nach  urrainn  iad  a  radh  c'uin 
a  choisrig  iad  iad  fein  do  Dhia  an  toiseach. 
Cha  mho  is  urrainn  iad  a  radh  gu  robh  iad 
riamh  air  an  iompachadh  anns  an  doigh  a 
bhios  iad  a'  cluinntinn  dhaoine  eile  a' 
bruidhinn  uime.  Tha  mi  an  duil  gur  e  so 
am  fiosrachadh  spioradail  as  cumanta  anns 
an  eaglais  a  nis,  agus  tha  e  ri  radh  cuideachd 
gur  e  so  am  fiosrachadh  as  nadurra  agus  as 
sabhailte.  Ach  tha  daoine  eile  coltach  ri 
Iain  Bunian  no  ri  Iain  Newton,  daoine  anns 
an  robh  dearbhachd  peacaidh  a'  dol  air 
aghaidh  fad  uine  fo  bhuaidh  agus  fo  chumh- 
achd  an  Spioraid  Naoimh,  agus  a  bha  mu 
dheireadh  air  an  toirt  a  steach  do'n  t-solus 
mar  a  thionndas  a'  chomhla  air  a  bannaibh. 
Tha  gras  Dhe  cho  foghainteach  anns  an 
dara  doigh  's  a  tha  e  anns  an  doigh  eile ; 
tha  e  cho  foghainteach  an  uair  a  chumas  e 
Samuel  agus  Timoteus  ann  an  slighe  na  firinn 
agus  an  ionracais  o'n  oige  's  a  tha  e  an  uair 
a  thogas  e  casan  an  eucoraich  as  an  lathaich 
agus  a  shocruicheas  e  iad   air   carraig. 

Tha  aon  de  na  sean-fhacail  Ghaidlig  ag 
radh  nach  'eil  ann  an  aithreachas-criche  ach 
a  bhi  cur  sil  mu'n  Fheill-Martuinn.  Ann  an 
aon  seadh  tha  sin  fior,  ach  mur  tig  am 
fochann  anns  an  t-saoghal  so  tha  an  t- 
siorruidheachd  aig  an  t-siol  ^u  fas.  Agus  is 
fhearr  aithreachas-criche  seach  duine  a  bhas- 
achadh  mar  rinn  an  gaduiche  eile,  a'  magadh 
air  Criosd, 


Tha  tohar  ann   's  e  Idn  de  fhuil 
A  shruth  o  chuislean  los' ; 
'S  gach  peacach  theid  a  sios  fo' 71  tmJ, 
Glan  huileach  thig  e  nios. 

An  gadtiich  dh'  fheuch   is  ri  ucJul  bdis, 
'S  rinn  gairdeachas  neo-ghann ; 

'S  rinn  mise  fos — cho  olc  ris  fein 

l\r   uiV   euceart  ionnlad  ann  ! 

O  Ufiinmo  ghrdidh,  d'  fhuil,  phriseil,  hhldth, 
Cha  chain  gu  brdth  a   brigh, 
Gus  am,  bi  mhivinntir  shaorta  air  fad, 
Bho'm  peacadh  glan  d'a  trid. 

Bho'n    dhearc    mo    shiiil    ri    d'    chreuchdan 

ciurrt' , 
A'    bruchdadh  cungaidh  shldint' , 
Grddh-saoraidh  Chriosd  's,e   tha  mi  'luaidh, 
'S  a  bhios  gu  uair  mo  bhdis. 

'N  sin  seinneam  6?^an  's  milse  cedl  1 

Air  cumhachd  mor  do  ghrdis  I 

^N uair  bhios  an  teanga  mhanntach,  thriiagh, 
Gu  halbh  's  an  uaigh  'na  tdmh. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Anns  a'  mhaduinn  an  diugh  (tha  mi  a' 
sgriobhadh  so  anmoch  air  feasgar  na  Sabaid) 
bha  mi  a'  teagasg  na  cloinne  anns  an  sgoil 
Shabaid,  ach  ged  is  toigh  leam  clann  agus  is 
toigh  leam  a  bhi  bruidhinn  riu,  dh'  fhairt- 
lich  an  leasan  orm  gu  buileach  an  diugh  is  dh' 
fhairich  mi  mar  gu'm  bithinn  air  chall  ann 
an  ceo.  Gu  fortanach  tha  Dia  a'  cur  ni- 
eigin  ann  an  inntinn  na  cloinne  a  tha  A 
'g  a  clheanamh  duilich  do  mhinistirean  ' 
no  do  mhaighstirean-sgoile  cron  a  dhean- 
amh  dhaibh,  ach  air  a  shon  sin  tha  e 
air  mo  choguis-sa  an  nochd  nach  do 
rinn  mi  ach  ceo  is  dorchadas  a  chur  ann  an 
inntinnean  na  cloinne  nach  ruigeadh  leas  a  | 
bhi  annta  na'n  d'  fhag  mi  Leabhar  Aith-  \ 
ghearr  nan  Ceist  aig  an  tigh.  Tha  aite 
freagarrach  dha  fein  aig  a  h-uile  rud ;  is  e 
an  t-aite  as  freagarraiche  do  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist  an  sgeilji  as  airde  an 
seomar  nan  leabhraichean.  Co  dhiu  cha'n 
aite  freagarrach  dha  an  sgoil-Shabaid. 

B'e  a'  cheist  a  bha  air  a  cur  sios  air  son 
an  la  so,  Giod  e  fireanachadhi  A'  chuid 
de'n  chloinn  aig  an  robh  cuimhne  mhaith  dh' 
aithris  iad  an  fhreagairt  cho  luath  agus  cho 
iollagach  's  ged  bhiodh  iad  a'  gabhail  orain, 
ach  cha  robh  barrachd  suim  aca  do  na  briath- 
ran  no  tuigse  ciod  a  bha  iad  a'  ciallachadh 
seach  na  bhiodh  aca  na'n  robh  iad  'n  an 
Eabhra.  A'  chuid  aig  nach  robh  cuimhne 
mhaith,  thuislich  is  thuislich  iad  a  ris  agus 
a    ris,    is  chuireadh   na    truaghain   gu   naire 


23 


fhollaisich  an  lathair  chaich.  Thachair 
dhaibh  mar  thachair  do'n  t-salmadair ; 
thuit  iad  an  clabar  criadha  tiugh. 

Is  e  fireanachadh  gniomh  saor  ghean- 
maith  Dhe  his  a  bheil  e  a'  maitheadh 
dhuinn  ar  n-uile  loheacaidhtan ,  agus  a 
gahhail  ruinn  mar  fhlreanaihh  ^na  fhian- 
uis,  agus  sin  a  mhdin  air  sgath  fireantachd 
Chriosd,  air  a  meas  dhuinn,  is  air  a 
gahhail  thugainn  le  creideamh  a'  mhdin. 

Shaoil  mi  gu'm  b'e  mo  dhleasdanas  feuch- 
ainn  r'a  mhineachadh  do'n  chloinn  ciamar 
a  ghabhas  fireantachd  a  bhi  air  a  gabhail 
thugainn  le  creideamh,  ach  fad  na  h-iiine 
bha  fhios  agam  nach  robh  an  eanchainn  no 
an  cridhe  a'  gabhail  suim  air  bith  do  na  bha 
mi  ag  radh ;  agus  rud  bu  mhiosa  air  fad, 
chunnaic  mi  nach  robh  mi  ach  a'  sgaoileadh 
brat-sgaile  eadar  a'  chlann  agus  losa  air 
chor  agus  nach  b'  urrainn  daibh  aodann 
baigheil-san  fhaicinn.  Leum  an  smuain  'n 
am  inntinn  nach  i-obh  mi  a'  bruidhinn  ris  a' 
chloinn  mar  a  bhruidhneadh  losa  fein  riu  ; 
gu  robh  mi  a'  dorchachadh  an  inntinnean 
beaga  le  briathran  gun  bhrigh  gun  bheatha, 
agus  mar  sin  'g  am  bacadh  teachd  d'a  ionn- 
suidh.  Cha  bu  luaithe  a  thainig  an  smuain 
so  thugam  na  dhuin  mi  Leabhar  Aithghearr 
nan  Ceist,  is  thilg  mi  air  mo  chulaobh  e,  is 
tha  mi  an  duil  nach  toir  mi  do'n  sgoil- 
Shabaid   tuilleadh  e. 

Tha  an  diadhaidheachd  moran  na's  sim- 
plidhe  na  shaoileadh  tu  bho  chainnt  luchd- 
teagaisg  ;  tha  sinn  uile  a'  dorchachadh  comh- 
airle  le  seann  bhriathran  a  chaill  am  brigh 
agus  am  beatha  o  chionn  fhada,  a'  deanamh 
dorcha  nithean  a  tha  soilleir  gu  leoir,  agus 
a'  deanamh  duilich  nithean  a  tha  furasd. 
Cha  ruig  searmonaiche  air  bith  a  leas  fiugh- 
air  a  bhi  aige  an  diugh  gu'm  faigh  e  aire 
dhaoine  mur  labhair  e  riu  ann  an  cainnt  a 
thuigeas  iad  ;  mur  dean  e  sin  cha'n  'eil  ann 
ach  ciombal  a  bhios  a'  gleangarsaich.  Tha 
na  h-uiread  fhacal  ris  a  bheil  daoine 
cleachdta  ann  an  cainnt  na  ciibaid  a  dh' 
fhaodadh  a  bhi  air  an  cur  air  an  sparr  gu 
brath  tuilleadh,  gun  chall  spioradail  air  bith, 
a  chionn  gu'n  do  chaill  iad  cheana  am  brigh 
agus  an  cumhachd  do'n  ghineil  so,  agus  a 
chionn  gu'n  gabh  na  nithean  a  bha  iad  aon 
uair  a'  ciallachadh  a  bhi  air  an  cur  an  doigh 
eile;  an  doigh  anns  am  bean  iad  ri  reuson 
agus  coguis  na  gineil  uire  ! 

Gairm  eifeachdach,  is  fireanachadh,  is 
uchd-mhacachd,  is  facail  eile  de'n  t-seorsa 
sin,  ciod  a  tha  iad  a'  ciallachadh  do  dhaoine 
an  diugh?  Cha'n 'eil  dad;  theagamh  gu 
bheil  fuaim  dhiadhaidh  aca,  ach  sin  uile  e  ; 
cha'n  'eil  annta  ach  fuaim  nach  gluais  inn- 


tinn no  coguis.  Agus  ciod  an  tairbhe  a  tha 
ann  do  dhuine  fuaim  naomh  a  dheanamh  an 
cluasan  a  luchd-eisdeachd  mur  duisg  e  an 
eanchainn  agus  an  coguis !  Gle  bhitheanta 
mar  is  motha  a  dh'  uisnicheas  luchd-teagaisg 
seann  bhriathran  naomha  anns  a'  chiibaid  is 
ann  as  lugha  a  tha  iad  a'  searmonachadh 
Chriosd.  Cha'n  'eil  anns  na  seann  bhriath- 
ran sin  a  thuiteas  cho  reidh  o'm  bilean  ach 
mar  gu'm  biodh  srann  sheilleanan  ruadha 
air  maduinn  shamhraidh.  Cha  'n  ann  le 
briathran  a  bheathaichear  anam  mhic  an 
duine;  saoilidh  mi  gu'n  gabh  an  daimh  a  tha 
eadar  Criosd  agus  an  t-anam  bruidhinn  air 
ann  an  doigh  as  simplidhe  agus  as  nadurra 
na  chainnt  a  chluinnear  air  uairean  anns  a' 
chubaid. 


CUING  NA  GREIGIS. 

Ciod  an  t-aobhar  nach  'eil  gillean  oga  a' 
dol  gu  dreuchd  na  ministrealachd  an  diugh 
mar  bha  iad  a'  dheanamh  roimh  so?  Sin 
ceist  nach  'eil  furasd  a  freagairt,  ach  am 
measg  nan  aobharan  eile  a  tha  'gan  cumail 
air  an  ais  tha  eagal  na  Greigis.  Is  e  gle 
bheag  de  bhalaich  an  diugh  aig  a  bheil 
Greigis  anns  an  sgoil ;  theid  aca  air  M.A. 
agus  iomadh  seorsa  gloir  eile  fhaotainn  anns 
an  Oil-thigh  gun  Ghreigis,  ach  cha  leigear 
a  steach  iad  do  Thalia  na  Diadhachd  gun 
Ghreigis.  An  deidh  dhaibh  sgoil  is  Oil- 
thigh  a  chriochnachadh  gun  Ghreigis  their 
iad  gu  bheil  e  a  nis  ro  anmoch  dhaibh  tois- 
eachadh  air  canain  ur,  is  tionndaidh  iad  air 
falbh  o  dhreuchd  na  ministrealachd  gu  obair 
air  chor-eigin  eile. 

Tha  meas  mor  agamsa  air  sgoilearachd, 
agus  gu  sonraichte  air  an  sgoilearachd  ard 
agus  uasal  ris  an  abrar  sgoilearachd  nan 
canainean,  ach  air  a  shon  sin  cha'n  'eil  mi 
a'  creidsinn  gu  bheil  Greigis  cho  feumail  do 
mhinistearan  's  gu'n  dean  e  mughadh  air 
bith  CO  dhiu  a  tha  i  aca  no  nach  'eil.  Theag- 
amh gu'n  dean  e  mughadh  dhaibh  fein  a 
thaobh  solas  am  beatha,  ach  cha  dean  e 
mughadh  d'an  coimhthionailean  a  thaobh 
nithean  spioradail.  Tha  e  maith  do'n 
eaglais  gu'm  biodh  aireamh  shonraichte  de 
mhinistearan  innte  a  tha  'n  an  daoine  ana- 
barrach  foghluimte ;  ministearan  aig  a  bheil 
Greigis  is  Eabhra  is  Laidionn,  ach  ciod  am 
feum  a  tha  ann  an  Eabhra  no  Greigis  do 
mhinisteir  aig  nach  'eil  ach  prabadh  suar- 
rach  dhiubh?  Cha'n 'eil  annta  ach  buair- 
eadh  dha;  a'  toirt  air  a  bhi  saoilsinn  gu 
bheil  foghlum  aige  nach   'eil  aige  idir. 

Tha  e  furasda  gu  le6ir  dhuit  aithneachadh 
CO  dhiu  a  tha  duine  aineolach  no  co  dhiu  a 
tha    inntinn     oileanaichte    aige,     an    uair    a 


24 


chluinneas  tu  e  a'  bruidhinn.  Cha  bu 
mhaith  learn  a'  mhinistrealachd  fhosgladh 
do  dhaoine  aineolach,  ach  ma  tha  inntinn 
oileanaichte  aig  an  fhear  a  tha  anng  a' 
chubaid,  bhithinn  coma  ged  nach  biodh  facal 
Eabhi-a  no  Greigis  aige.  Gheibh  e  anns  a' 
BhiobuU  Bheuria  no  anns  a'  Bhiobull 
Ghaidhlig  na  nithean  a  tha  feumail  do 
obair  rioghachd  Dhe.  Anns  na  laithean  so 
tha  daoine  a'  faotainn  eolais  is  ionnsachaidh 
ann  am  fichead  doigh :  gle  bhitheanta  tha 
daoine  nach  do  sheas  riamh  an  Oilthigh  fada 
na's  ionnsaichte  na  cuid  de  na  chuir  seachad 
seachd  bliadhna  ann.  Bhiodh  e  'n  a  chall 
m6r  do'n  eaglais  an  dorus  a  dhunadh  air 
an  t-seorsa  sin  a  chionn  nach  d'  ionnsaich 
iad  Greigis  trath. 

*  *  *  * 

MAISE  AN  T-SAOGHAIL. 

An  deireadh  April  agus  an  toiseach  a' 
Mhaigh  bha  deich  laithean  againn  de  shid 
cho  aillidh  's  a  chunnaic  mi  riamh  aig  an 
am  so  de'n  bhliadhna ;  is  bha  maise  an  t- 
saoghail  mar  iocshlaint  do'n  chridhe.  Ged 
thigeadh  Solamh  agus  banrigh  Sheba  do'n 
Choille  Bheithe,  air  achlasan  a  cheile,  air  an 
sgeadachadh  anns  na  culaidhean  a  bu  riomh- 
aiche  a  bha  aca,  cha  bhiodh  iad  ach  slaobach 
odhar  an  coimeas  ris  na  fluraichean  a  bha 
togail  an  cinn  innte  air  an  t-seachduin 
so  chaidh,  agus  ri  gucagan  nan  craobh  a' 
gobachadh  gu  duilleach. 

Ged  bhios  sinn  uile  a'  faotainn  coire  do 
Lloyd  George  agus  do'n  t-sid,  cha'n  'eil 
duthaich  air  an  t-saoghal  cho  maiseach  agus 
cho  ionmhiannaichte  ri  ar  duthaich  fein.  An 
uair  a  thoisicheas  na  h-achaidhean  agus 
bruachan  an  rathaid  air  fas  gorm  anns  an 
carrach  tha  guth  a'  teachd  bhuapa  a  labhras 
sith  ris  a'  chridhe.  A  h-uile  Sabaid  tha  mi 
a'  faicinnn  ceudan  de  charaichean  a'  dol 
seachad  air  an  rathad  mhor  gu  Tuath,  Ian 
de  dhaoine  aig  nach  'eil  suim  do  Shabaid  no 
dh'  eaglais,  daoine  nach  leugh  agus  nach 
cluinn  facal  an  Tighearna  o  cheann  gu  ceann 
de'n  bhliadhna  mur  cluinn  iad  aig  tiodh- 
lacadh  e.  Ach  tha  iomadh  doigh  aig  Dia 
air  labhairt  ri  cridheachan  dhaoine,  agus 
theagamh  gu  bheil  e  a'  deanamh  an  t-saoghail 
cho  maiseach  a  chum  's  gu'n  driiidh  sin  air 
cridheachan  dhaoine  nach  eisd  ri  guth  minis- 
tir.  Thainig  an  smuain  'n  am  inntinn  an 
la  roimh  gu'm  bu  mhaith  leam  ceithir  no 
coig  de  chraobhan  geanais  agus  ceithir  no 
coig  de  chraobhan  caorunn  a  chur  ri  taobh 
an  rathaid  air  a'  ghliob,  los  gu'm  biodh  iad 
'n  am  meadhon-grais  do  luchd-turuis  gu 
lonarnis,  tri  fichead  bliadhna  an  deidh 
dhomh  fein  a  bhi  anns  an  uaigh.     Is  e  maise 


an  t-saoghail  aon  de  na  guthan  leis  a  bheil 
Dia  a'  labhairt  r'a  chloinn.  Co  is  urrainn 
sealltuinn  air  a'  ghrein  ag  eirigh  no  a' 
laighe  gun  an  fhaireachduin  a  bhi  'n  a 
chridhe  gu  bheil  Dia  'n  a  shuidhe  air 
cuairt  na  talmhainn  agus  gu  bheil  a  chumh- 
achd  agus  a  rioghachd  os  cionn  nan  uile. 
*  *  *  * 

AM    FIGHEADAIR. 

An  uair  a  bhios  mi  aig  amannan  sonraichte 
a'  beachdachadh  air  oibrichean  Dhe,  air 
ionghnadh  agus  maise  a'  chruthachaidh,  agus 
air  na  comharran  a  chithear  anns  an 
t-saoghal  gu  bheil  gradh  agus  gliocas  Dh6 
air  am  foillseachadh  ann,  bidh  am  fighead- 
air  a'  togail  cheistean  nach  urrainn  domh 
fhuasgladh.  Thubhairt  Agur  mac  laceh  gu 
bheil  ceithir  nith©  beaga  air  an  talamh  a  tha 
ro-ghlic ;  na  seangain,  na  coineana,  na 
locustan,  agus  an  damhan-alluidh.  Cha  'n 
'eil  teagamh  nach  'eil  an  damhan-alluidh 
glic;  tha  sin  soilleir  gu  leoir,  ach  saoilidh 
mi  nach  e  an  gliocas  ai  tha  aige  an  gliocas  ris 
an  abradh  an  t-abstol  Seumas  an  gliocas  a 
tha  o  shuas.  Ged  is  ainmeil  an  drochaid  a 
tha  air  uisge  Foirthe  cha'n  'eil  i  dad  na's 
innleachdaiche  no  na's  iongantaiche  na'n 
drochaid  a  chuireas  an  damhan-alluidh 
suas  ann  an  uair  an  uaireadair.  Ni  e 
gach  ni  ris  an  cuir  e  a  lamh  no  a  chas  cho 
gniomhach  snasmhor  's  ged  bhiodh  e  an  deidh 
'uine  a  chur  a  stigh  ag  ionnsachadh  a 
cheairde  air  Cluaidh.  Co  a  theagaisg 
e?  Their  sinn  gu'n  do  theagaisg  Dia.  Ach 
ma's  e  Dia  a  thug  dha  a'  chuid  so  d'a  fhogh- 
lum  an  e  Dia  a  thug  dha  a'  chuid  eile  dheth? 
Tha  an  gliocas  a  tha  o'n  aird©  glan  agus  gun 
cheilg,  Ian  de  throcair  agus  de  dheadh  tho- 
radh,  ach  tha  gliocas  an  damhain-alluidh, 
ma  dh'  fhaodas  mi  briathran  laidir  a'  Bhio- 
bull a  chleachdadh,  talmhaidh,  collaidh, 
diabhluidh.  An  e  Dia  a  chuir  an  ceann  a' 
chreutair  so  buadhan  cho  ard  a  choisrigeadh 
do  obair  cho  leibideach  agus  an-iochdmhor, 
oir  cha'n  'eil  dad  eile  anns  an  t-sealladh  aig 
an  fhigheadair  leis  na  lin  agus  na  ribeachan 
a  bhios  e  a'  deanamh  ach  creutairean  neo- 
chiontach  eile  a  threorachadh  gu  sgrios. 
Theagamh  gu'n  abair  thusa,  a  leughadair, 
nach  'eil  am  figheadair  a'  deanamh  ach  mar 
tha  clann-daoine  a'  deanamh,  ague  mar  tha 
creutairean  eile  na  coille  a'  deanamh.  Tha 
sin  fior  ann  an  tomhas,  ach  an  uair  a 
sgaoileas  clann-daoine  lion  gus  casan  an 
coimhearsnach  a  ghlacadh,  cha'n  ann  air  Dia 
a  bhios  sinn  a'  cur  na  coire;  their  sinn  gur 
e  Satan  a  chuir  'n  an  ceann  e.  Agus  c6  e 
Satan  co  dhiu?  C'aite  a  bheil  obair  Dhe  a 
stad  agus  obair    Shatain   a'  t^iseachadh? 


1928. 


AN  SOISGEUL  SIORRUIDH. 

Cha'ti  ^eil  ndire  ormsa  de'n  t-soisgeul :  oir 
is  e  cwmhachd  Dhe  e  chimi  sldinte  do  gach 
71  each  a  chreideas ;  do'n  ludhach  an  toiseach, 
agus  mar  an  ceudna  do'n  Ghreugach. 

— Roman  I.  16. 

Chia  robh  soisgeulaiche  riamh  anns  an 
eaglais  coltach  ri  Pol ;  tha  e  a'  seasamh  08 
cionn  chaich  mar  tha  beinn  Nibheis  a'  seas- 
amh OS  cionn  nam  beann.  Bha  inntinn  agus 
suilean  aige  nach  robh  aig  diiine  eile  anns  an 
linn  ud.  An  uair  a  bha  each  ann  an  iom- 
chomhairle,  no  a'  connsachadh  mu  nithean 
beaga  anns  na  h-eaglaisean  beaga  aca  fein, 
aguis  an  siiilean  air  barraibh  am  br^g,  bha 
suilean  Phoil  ann  an  ceann  eile  an  t-saoghail ; 
ann  an  aislingean  na  h-oidhche  bhiodh  e  'g  a 
fhaicinn  fein  a'  cosnadh  lompaireachd  na 
Roimhe  do  Chriosd. 

Anns  na  laithean  ud  bha  iompaireachd  na 
Roimhe  co-ionnan  ris  an  t-saoghal  uile ;  a' 
ruighinn  o'n  abhainn  Euphrates  gu  muir  na 
h-Atlantic,  agus  o  chriochaibh  deas  na  h- 
Eiphit  gu  uisge  Chluaidh.  A  mach  o 
bheagan  ludhach,  agus  o  chreideamh  nan 
draoidhiean,  is  seorsachan  neonach  eile  an 
sid  agus  an  so,  b'e  an  creideamh  a  bha  air 
aideachadh  ann  an  iompaireachd  na  Roimhe 
an  creideamh  laidir  farsuing  sin  ris  an 
abrar,  Pdganachd  choitchionn .  Bha  an 
creideamh  sin  air  a  steidheachadh  ann  an 
ionadan  arda,  air  aideachadh  le  uachd- 
ranachda  agus  tighearnais,  air  a  sheinn 
agus  air  a  mholadh  le  miltean  de  shagartan 
ann  am  miltean  de  theampuill  oirdhearc, 
agus  air  a  chumail  suas  le  maithean  is 
cumhaehd  an  t-saoghail. 

Sin  an  rud  air  an  robh  Pol  a'  smuaineach- 
adh  an  uair  a  thubhairt  e,  'Cha'n  'eil  naire 
ormsa  de'n  soisgeul.'  Mar  gu'n  abradh  e 
ris  fein,  tearc  agus  anfhann  's  mar  tha 
teachdairean  an  t-soisgeil,  amaideach  's  mar 
tha  sgeul  an  t-sioisgeil  ann  an  cluasan  ludhach 
agus  Ghreugach,  tha  fhios  agam  gu'n  toir 
an  soisgeal  buaidh  air  a'  Phaganachd  sin,  a 
chionn  gu  bheil  cumhaehd  an  De  bheo  ann. 

Thubhairt  fear  de  na  righrean  Stiiibhar- 
dach  nach  b'  eaglais  an  eaglais  Chleireach 
do  dhuine  -  uasal.  B'  fhada  inntinn 
Phoil  o  na  smuaintean  faoine  agus 
suarrach  sin.  Cha  tainig  e  riamh  'n  a 
chridhe  fhoighneachd  an  robh  e  freagarrach 
do  sgoilear  no  do  dhuine-uasal  mar  bha  e 
fein  ainm  Chriosd  agus  soisgeul  Chriosd 
aideachadh     gu     follaiseach ;     cha    tainig    e 


riamh  'n  a  chridhe  naire  a  ghabhail  dheth 
fein  air  son  a  bhi  searmonachadh  an  t-sois- 
geil. Cha  b'e  sin  idir  a  bha  'n  a  inntinn, 
ach  ionghnadh,  agus  gradh,  agus  moladh,  gu 
robh  cumhaehd  cho  mor  agus  cho  iongantach 
anns  an  t-soisgeul  an  uair  a  bha  e  air  a 
shearmonachadh. 

An  uair  a  sgriobh  e  na  briathran  so  bha  e 
a'  cur  roimhe  dol  do'n  Roimh.  Bha  fhios 
aige  gu'n  abradh  daoine  a  bha  'gan  cunntas 
fein  glie  agus  eagnaidh  nach  robh  ann  ach 
goraiehe  dha  dol  do'n  Roimh  ma  bha 
fiughair  aige  gu'n  gabhadh  am  baile-mor  sin 
i-is  an  t-soisgeul,  ach  ghlac  Pol  misneach  is 
chuir  e  aghaidh  air  an  Roimh  oir  bha  e 
creidsinn  gu  robh  cumhaehd  anns  an  t-sois- 
geul a  bu  laidire  na  cumhaehd  air  bith  eile 
air  an  t-saoghal.  Bha  fhios  aige  gu  robh 
an  soisgeul  oumbaehdach  o  Dhia  chum  til- 
geadh  sios  dhaingnichean,  agus  gach  ni  ard 
a  tha  air  ardachadh  an  aghaidh  eolais  Dhe. 

Chaidh  iompaireachd  agus  paganachd  na 
Roimhe  as  an  t-sealladh  ach  tha  soisgeul 
Chriosd  cho  beo  agus  cho  cumhaehdach  an 
diugh  fhathast  's  a  bha  e  riamh.  Air 
uairean  bidh  cuid  de  chairdean  an  t-soisgeil 
a'  gabhail  eagail  gu  bheil  aobhar  Chriosd  a' 
dol  air  ais  anns  lan  t-saoghal,  agus  gu'm  faod 
e  tachairt  gu'm  bi  diathan  iira  air  an  cur  an 
aite  Chriosd.  Cluinnear  iomradh  gu  leoir 
an  diugh  air  na  diathan  sin ;  diathan  a  tha 
cho  lionmhor  's  nach  urrainn  mise  ainm  a 
chur  orra  uile,  ach  biodh  cairdean  Chriosd 
fo  dheagh  mhisnich  ;  tachraidh  do  na  diathan 
sin  agus  do  na  soisgeulan  ur  is  neonach  sin 
mar  thaehair  do'n  fheadhainn  a  chaidh 
romhpa ;  theid  iad  uile  as  an  t-sealladh  ach 
mairidh  Criosd  agus  a  shoisgeul  gu  brath. 

Bidh  ainm-san  buan  gu  suthain  sior, 
Co-mhaireann  ris  a'  ghrein ; 
Is  annsan  beannaiehear  gach  slogh  ; 
'S  beannaiehear  le6  E   f6in. 

Ged  is  maith  an  rud  am  paipear-naigh- 
eachd  tha  a'  bhuaidh  so  aige  air  inntinnean 
nan  daoine  a  bhios  'g  a  leughadh  ro  dhich- 
iollaeh,  no  nach  bi  a'  leughadh  dad  eile,  gu'n 
Hon  e  an  suilean  le  obair  an  latha  air  chor 
agus  nach  fhaic  iad  obair  nan  linntean. 
Faodaidh  e  bhith  air  uairean  gu  bheil  fianuis 
an  latha  no  fianuis  na  seaehduin  an  aghaidh 
Chriosd  agus  le  cuid  de  na  soisgeulan  ura, 
ach  tha  fianuis  nan  linntean  air  taobh  Chriosd, 
agus  tha  fianuis  nan  linntean  na's  cudthrom- 
aiehe  na  fianuis  an  la.  Ma  thug  Criosd 
buaidh  air  iompaireachd  a  bha  cho  laidir  ri 


26 


iompaiieachd  na  Roimhe  agus  air  diathan  a 
bha  air  an  steidheachadh  le  seann  nos  ann  an 
urram  dhaoine,  ma  rinn  an  soisgeul  na  h- 
oibre  miorbhuileach  a  rinn  e  ann  an  toiseach 
a  thoiseacbaidh,  c'ar  son  a  bhiodii  eagal  oirnn 
a  nis  gu'm  bi  Criosd  air  a  chur  bharr  a 
chriiin  le  iomhaigh  phreasach  odhar  a  bha  air 
a  deanamh  le  Mrs.  Eddy,  no  le  lomhaighean 
eile  a  tha  air  an  deanamh  le  lamhan  dhaoine. 

Tha  tri  iarrtusan  sonraichte  ann  an  cridhe 
mhic  an  duine  nach  gabh  muchadh,  agus  d'a 
bheil  soisgeul  Chriosd  a'  freagairt ;  tha  e  ag 
iarimidh  dearbhachd  (1)  gu  bheil  Dia 
baigheil  ann  a  tha  gabhail  suim  do  dhaoine, 
(2)  gu  bheil  Dia  grasmhor  ann  a  mhaitheas 
peacaidhean,  agus  (3)  gu  bheil  Dia  firinn  ann 
as  urrainn  daoine  a  threorachadh  anns  an 
fhirinn  agus  anns  an  t-solus.  '  Agus  do 
bhrigh  gu  bheil  na  h-iarrtusan  sin  air  ooin- 
neachadh  riu  agus  air  an  riarachadh  ann  an 
losa  Criosd  mairidh  ainm  Chriosd  gu  brath, 
agus  mairidh  a  shoisgeul  gu  brath,  mar 
chumhachd   Dhe  chum   slainte. 

Tha  iomadh  cumhachd  spioradail  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  a'  comh-oibreachadh  le 
cheile  gus  anmanna  dhaoine  a  shaoradh  o 
pheacadh  agus  o  sgrios,  ach  ged  nach  coir 
dhuinn  dimeas  a  dheanamh  air  cumhachd  no 
cungaidh  spioradail  air  bith  anns  a  bheil  cuid 
d'ar  co'-chreutairean  a'  faotain  dochais  no 
iocshlaint  d'  an  cridhe,  tha  aon  chumhachd 
spioradail  ann  a  tha  seasamh  a  mach  o  chach 
uile,  air  a  dearbhadh  troimh  na  linntean  mar 
chumhachd  Dhe  a  chum  slainte.  Sin  sois- 
geul Chriosd ;  an  soisgeul  a  thog  an  eaglais 
agus  a  chuir  oran  nuadh  'n  a  beiil ;  orain  a 
bhios  air  an  seinn  air  thalamh  gus  an  teid 
fonn  is  cuan  thairis,  agus  a  bhios  air  an  seinn 
gu  siorruidh  air  neamh. 


AIG  AN  ARD-SHEANADH. 

Mar  is  trice  bidh  mi  a'  toirt  cunntais  air 
an  duilleig  so  air  na  chunnaic  agus  na  chuala 
mi  aig  an  Ard  Sheanadh,  ach  a  dh'  inn- 
seadh  na  firinn,  tha  mi  a'  fas  car  suarrach 
de'n  obair  sin,  oir  bidh  e  a'  tighinn  a  steach 
air  m'inntinn  nach  'eil  feimi  air  bith  ann, 
a  chionn  gu'n  do  leugh  daoine  cheana  mu 
obair  an  Ard-Sheanaidh  anns  na  paipearan- 
naigheachd.  Cha'n  'eil  naigheachd  air  bith 
agamsa  ri  innseadh  mu'n  t-Seanadh  nach 
fhaca  muinntir  Chille-sgumain  cheana  ann 
an  Tim  an  Obain  o  chionn  tri  seachduinnean. 

A  mach  o  Thigh  nan  Cumantan  cha'n  'eil 
cruinneachadh  eile  anns  an  rioghachd  cbo 
cudthromach  no  cho  cumhachdach  ri  Ard- 
Sheanadh  Eaglais  na  h-Alba.  Tha  an  da 
chviirt  sin  cumhachdach  a  chionn  gu  bheil 
ughdarras   aca   reachdan   a    dheanamh,   agus 


a  chionn  gu  bheil  lagh  na  rioghachd  ag  aid- 
eachadh  nan  reachdan  sin.  A  h-uile 
maduinn  tha  obair  an  la  ann  an  Tigh  nan 
Cumantan  agus  anns  an  Ard-Sheanadh  a' 
toiseachadh  le  urnuigh.  Tha  sin  ceart  is 
freagarrach,  gu'n  iarradh  daoine  a  bhios  a' 
deanamh  obair  chudthromach  beannachd  an 
Tighearna  agus   an  gliocas  a  tha  o  shuas. 

Tha  an  t-Ard-Sheanadh  cho  toigheach  air 
na  seann  doighean  agus  cho  leantaileach  air 
cleachdanna  nan  aithrichean  ris  an  eaglais 
Shaoir  fein.  Cha  seinn  iad  laoidhean 
Shankey  no  laoidhean  Wesley;  cha  seinn  iad 
dad  ach  na  sailm  agus  na  laoidhean  a 
gheibhear  anns  a'  BhiobuU.  Aig  an  ur- 
nuigh tha  iad  a'  seasamh,  agus  am  bliadhna 
bha  urnuighean  a'  Mhoderator  gu  maith 
fada.  B'e  urnuighean  Thormoid  Mhic 
Illeathain  an  uiridh  na  h-urnuighean  a  bu 
ghiorra  a  chuala  mi  bho  thoisich  mi  air  dol 
a  dh'  ionnsuidh  an  t-Seanaidh.  Ach  air  a 
shon  sin  bha  iad  fada  gu  leoir ;  bha  iad  an 
da  chuid  freagarrach  agus  druidhteach. 
Cha'n  'eil  mearachd  as  trice  ann  an  urnuigh 
na  i  bhi  ro   fhada. 

Tha  Moderators  na  h-eaglais  a  nis  uile 
a'  leughadh  an  urnuighean.  Theagamh 
nach  gabh  so  seaehnadh  a  chionn  gai'm  biodh 
e  duilich  dhaibh  rud  eile  a  dheanamh  air 
cheann  a'  leithid  sud  de  chruinneachadh,  no 
ann  an  aite  cho  mor  ris  an  Talla  anns  a 
bheil  iad  a'  coinneachadh,  ach  air  a  shon 
sin  bu  ghasda  learn  fein  an  t-seann  doigh. 
Ma's  maith  mo  chuimhne  b'e  an  t-Ollamh 
Gilleasbuig  Charteris  am  Moderator  mu 
dheireadh  a  rinn  urnuigh  anns  an  t-Seanadh 
gun  phaipear.  An  uair  a  bha  Tomas 
Chalmei's  'n  a  Mhoderator  leugh  e  'urnuigh- 
ean. 

Rud  as  lugha  lethsgeul  na  sin,  tha  moran 
de  na  ministearan  a  bhios  a'  bruidhinn  anns 
an  t-Seanadh  a'  leughadh  an  oraidean  a  nis. 
Rud  gun  chiall  gun  choslas;  gun  bhuann- 
achd  air  bith  ann  ach  gvi  bheil  e  a'  toirt 
cothrom  do  dhaoine  a  tha  gu  nadurra  'n  an 
daoine  sgitheil  fiaighidinn  am  braithrean  a 
sharuchadh.  Na'n  tigeadh  Jenny  Geddes 
air  a  h-ais  bheirinn  fein  gu  toileach  tuagh 
dhi  leis  an  cuireadh  i  'n  a  chriomagan  am  bord 
beag  air  am  bi  na  daoine  sgitheil  a'  leagail 
am  paipear.  Duine  air  bith  nach  h-urrainn 
earbsadh  as  fein  na  tha  aige  ri  radh  a  radh 
gun  phaipear  bu  choir  da  fantuinn  samhach. 

Tha  la  mor  anns  an  t-Seanadh  daonnan 
an  uair  a  tha  iomradh  air  a  dheanamh,  air 
craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  anns  na  diith- 
channa  cein.  Tha  sin  mar  bu  choir  dha 
bhith,  oir  is  e  so  an  obair  as  mo  agus  as 
uri-amaiche  a  tha  an  eaglais  a'  deanamh,  an 
obair   shonraichte  a  thug  Dia   dhi  ri   dhean- 


27 


amh.  Ach  am  bliadhna  bha  an  Seanadh  ag 
ionndiainn  an  fhir  nach  niaiieann  gu  goirt, 
an  t-Ollamh  W.  B.  Stevenson,  a  bha  'n  a 
cheann  air  an  obair  so.  Chaochail  e  beagan 
sheachduinnean  m'  an  do  choinnich  an  Sean- 
adh. Theagamh  gu  robh  ioniadh  ministear 
anns  an  eaglais  aig  an  robh  talantan  a  bu 
mho  na  bha  aig  Stevenson,  ach  cha  robh 
ministear  eile  innt©  aig  an  robh  barrachd 
de  eud  diadhaidh,  no  aig  an  robh  barrachd 
de  na  buadhan  spioradail  sin  d'  an  tug  an 
Slanuighear  a  bheannachd ;  irioslachd,  ma- 
cantas,  ciuine,  naomhachd.  Cha  d'  iarr  e 
riamh  gloir  dha  fein  is  bha  a  chridhe  cho 
glan  agus  cho  falamh  de  cheilg  ri  cridhe 
paisde.  Bidh  sinn  'g  a  ionndrainn  fad 
iomadh  la,  oir  bha  suilean  na  h-eaglais  a' 
toiseachadh  air  cumhachd  na  diadhaidheachd 
fhaicinn  anns  an  duine  so. 

Ma  tha  e  maith  do  dhaoine  agus  do 
eaglaisean  am  peacaidhean  a  bhi  air  a  dhear- 
bhadh  orra  agus  an  ooguisean  a  bhi  air  am 
bioradh  bha  sin  air  a  dheanamh  dhuinn  am 
bliadhna  leis  an  OUamh  Alasdair  Hetherwick. 
Shaothraich  an  duine  so  coig  agus  da 
fhichead  bliadhna  ann  an  Africa,  a'  leagail 
bunaitean  rioghachd  Dhe  am  measg  nan 
cinneach,  agus  a  nis  tha  e  air  tighinn 
dhachaidh  gu  feasgar  a  laithean  a  chur 
seachad  ann  an  tir  a  dhuthchaig.  An  uair 
a  dh'  eirich  an  duine  beag-mor  so  anns  an 
t-Seanadh,  agus  a  cheann  cho  geal  ris  a' 
chanaich  agus  a  chraicionn  dearg-bhuidhe 
loisgte  le  grian  na  h-Afric,  bhuail  daoine  am 
basan  is  thog  iad  iolach  nach  cualas  a  leithid 
bho  chionn  iomadh  la,  a'  toirt  urraim  do 
Hetherwick  air  son  a  shaothrach  agus  air 
son  na  h-oibre  abstolach  a  rinn  e,  agus  a' 
deanamh  a  bheatha  dhachaidh ;  ach  an  aite 
a  bheic  a  dheanamh  do'n  t-Seanadh  nobriath- 
ran  mine  a  labhairt  an  eiric  nam  briathran 
mine  a  labhair  Tormod  Mac  Illeathain  uime 
fein,  thoisich  e  mar  gu'm  biodh  aon  de  na 
seann  fhaidhean,  a'  gabhail  Dhe  mar  fhianuis 
nach  do  sheas  an  eaglais  e  mar  bu  choir  dhi 
agus  nach  do  rinn  i  a  dleasdanas  ann  an  tir 
Nyasa.  "Tha  e  'na  chulaidh-bhroin  dhomh 
fein,"  ars'  esan,  "agus  'n  a  chulaidh-naire 
dhuibhse  nach  do  sheas  an  eaglais  mi ;  gu'n 
do  dhiobair  sibh  mi  fein  agus  m'  obair  ann 
an  Africa.  An  uair  a  dh'  fhag  mi  Blantyre 
o  chionn  da  mhios  b'  fheudar  dhomh  obair 
agus  saothair  mo  bheatha  uile  a  liubhairt 
thairis  do  mhinistir  nach  robh  ach  tri  seach- 
duinnean  anns  an  aite.  Fad  corr  agus  da 
fhichead  bliadhna  bha  mi  a'  leagail  bhun- 
aitean  seasmhach  gus  sgoilean  a  chur  air  chois 
agus  eolas  Criosdail  a  chraobh-sgaoileadh 
anns  an  Afric,  ach  cha  robh  duine  air  fha- 
gail  agam  a    thogadh  air  na  bunaitean   sin 


ach  duine  nach  robh  ach  da  bhliadhna  thall 
air  fad.      Cha  do  sheas  sibh  mi  an  clara  cuid 

le  dauiiie  no  le  airgiod Cha  bu 

mhaith  leam  dol  a  ris  troimh  na  bliadh- 
nachan  ud  a  chuir  mi  seachad  ann  an  Africa ; 
bha  iad  ro  ghoirt  agus  ro  shearbh,  ach  bu 
mhaith  leam  a  bhi  beo  da  fhichead  bliadhna 
eile  a  dh'  fhaicinn  ciod  a  thachras  do'n 
eaglais  Chriosduidh  a  chuir  mi  air  chois 
anns  na  ciiochaibh  ud.  Theagamh  gu'm  bi 
cuirtean  agus  Ard-Sheanadh  aig  eaglais  na 
h-Afric  dhi  fein  m'  an  tig  an  la  sin,  agus 
gu'm  bi  muinntir  Nyasa  a'  cur  shoisgeul- 
aichean  gu  muinntir  Albainn." 

''Bheuc  an  leomhann ;  co  air  nach  hi  eagall 
labhair  an  Tighearma  lehohhah,  co  nach 
deanadh  faistneachdl  A  mhic  an  duine 
labhair  ri  cloinn  do  shliiaigh,  agus  abair 
riu,  cd  air  bith  a  chluinneas  fuaim  na  trom.- 
paid,  agus  nach  gabh  rabhadh ;  ma  thig  an 
claidhearnh  agus  gu'n  toir  e  air  falbh  e, 
bithidh  fhuil  air  a  cheann  fdin.  Ghual  e 
fuaim  na  trompaid,  agus  cha  do  ghahh  e 
rabhadh ;  bithidh  fhuil  air  fein ;  ach  esan 
a  ghabhas  rabhadh    tearnaidh  e'anam. 

Tha  anam  aig  eaglais  na  h-Alba  ri  th^ar- 
nadh  mar  tha  aig  gach  eaglais,  no  comunn, 
no  duine,  d'  an  tug  Dia  gairm  agus  soch- 
airean  an  t-soisgeil,  ach  mur  eisd  i  ris  an 
rabhadh  so  a  thugadh  dhi  le  aon  de  na  seir- 
bhisich  as  dilse  a  bha  riamh  aice  caillidh  i  a 
h-anam  agus  a  h-aite.  Tha  Dia  ag  radh  rithe 
a  nis  mar  thubhairt  e  ri  eaglais  Shardis, 
Dean  faire  agus  daingnich  na  dh'  fhdaadh, 
agus  a  bha  ■ullamh  gu  bdsachadh  :  oir  cha  d' 
fhuair  mi  d'  oibre  coimhlionta  ^n  am.  lathair, 

Tha  aonadh  nan  eaglaisean  air  a  dhean- 
amh cinnteach  a  nis,  co  dhiu  cho  cinnteach 
's  a  ghabhas  rud  nach  do  thachair  cheana  a 
bhitb.  Tha  ceum  no  dha  aig  an  da  eaglais 
ri  dhol  tromhpa  fhathast,  ach  tha  e  'n  am 
beachd  an  t-snaim  a  cheangal,  le  cead  is 
beannachd  nan  cleirean,  ann  an  October 
1929.  An  uair  a  bhios  an  t-aonadh  air  a 
dheanamh  cha'n  urrainn  duine  air  an  t- 
saoghal  a  radh  gu'n  do  rinneadh  e  ann  an 
cabhaig  tuilleadh  's  a  choir;  tha  corr  agus 
fichead  bliadhna  bho  thoisicheadh  air  bruidh- 
inn  air,  is  tha  a'  chuid  as  motha  de'n  fheadh- 
ainn  a  r6itich  an  t-slighe  a  nis  a'  cnamh 
anns  an  iiir ;  Gilleasbuig  Scott ;  Uilleam 
Mair  ;  Tormod  Maoleoid,  am  Morair  Bal- 
four ;  Wallace  Williamson ;  Raibeart  Rainy  ; 
Alasdair  Whyte;  Seumas  Denny;  Gilleasbuig 
Henderson.  An  uair  a  bhios  an  da  eaglais 
cruinn  agus  an  t-aonadh  air  a  sheulachadh, 
CO  air  bith  a'  cheud  Mhoderator  a  bhios  anns 
a'  chathair,  bidh  e  air  a  chuartachadh  le 
neul  ro  mhor  de  fhianuisean,  spioradan  nan 
daoine  a  shaothraich  anns   a'   chuis  so  ach  a 


28 


bha  air  an  gairm  dhachaidh  m'an  'n  robh  an 
obair   air  a  criochnachadh. 

Ciod  a  thachras  an  uair  a  theid  an  da 
eaglais  comhla  1  An  toiseach  tha  mi  an  duil 
nach  tachair  dad ;  theid  cuisean  air  an 
aghaidh  mar  bha  iad  roimhe  anns  a'  chuid 
mhor  de  sgireachdan  is  cha  'n  fhairich  sinn 
gu'n  do  thachair  dad.  Bidh  an  rud  col- 
tach  ri  atharrachadh  na  h-uaire.  An  de 
bha  an  t-seann  uair  againn ;  an  diugh  tha 
an  uair  ur  againn;  ach  ged  bha  sinn  aig  aon 
am  a'  saoilsinn  nach  gabhadh  an  t-athar- 
rachadh  sin  deanamh  gun  dragh  agus  gun 
iipraid  uamhasach,  tha  sinn  a'  faicinn  a  nis 
gu'n  gabh  e  deanamh  gun  sinn  'g  a  fhair- 
eachduinn.  Sin  mar  a  bhios  aonadh  nan 
eaglaisean  cuideachd.  Theid  a  h-uile  rud 
air  aghaidh  cho  reidh  nadurra  's  nach 
fhairich  sinn  nach  'eil  na  h-uile  nithean  a' 
fantainn  mar  bha  iad  o  thoiseach  an  t-saogh- 
ail.  Bidh  ceartachadh  is  reiteachadh  r'a 
dheanamh  an  sid  agus  an  so,  ach  bidh  sin  air 
a  dheanamh  uigh  ar  n-uigh  gu  ciallach  agus 
gu  h-aonsgeulach  le  muinntir  an  aon  teagh- 
laich. 

Is  fhada  bho  stad  mise  de  bhi  toirt  geill 
air  bith  do  bhriathran  faoine  nan  daoine  sin 
a  bhios  a'  bruidhinn  mar  gu'm  biodh  an  t- 
aonadh  so  a'  dol  a  dhiisgadh  Albainn,  agus  a' 
dol  a  chur  teine  na  diadhaidheachd  ann  an 
cridheachan  a  tha  nis  fuar  no  meagh-bhlath. 
Ach  air  a  shon  sin  tha  e  ceart  dhiiinn  an 
t-aona,dh  a  dheanamh ;  cha'n  'eil  e  freagar- 
rach  no  iomchuidh  gu'm  biodh  da  bhuidheann 
de  Chriosduidhean  a'  seasamh  air  falbh  o 
cheile  mur  bheil  aobhar  sonraichte  'g  an 
cumail  dealaichte ;  is  tha  an  da  eaglais  so 
cho  dluth  d'a  cheile  agus  cho  coltach  r'a 
cheile  ri  clann  na  h-aona  mhathar. 

Na'n  tigeadh  Chalmers,  no  Candlish,  no 
Iain  Cook,  no  aon  eile  de  na  seann  aith- 
richean  a  steach  do'n  t-Seanadh  am  bliadhna 
chluinneadh  iad  na  seann  sailm  agus  na 
seann  fhuinn  a  b'  abhaist  dhaibh  a  bhi 
seinn,  ach  tha  mi  an  duil  gu'n  cuireadh  cuid 
de  na  gnothuichean  ^a  thainig  air  beulaobh 
an  t-Seanaidh  ionghnadh  orra.  Tha  a 
dheich  uiread  ghnothuichean  a'  tighinn  air 
beulaobh  an  t-Seanaidh  an  diugh  's  a  bha  ann 
ri  linn  Chalmers,  no  eadhon  ri  mo  cheud 
chuimhne  fein.  Cha  bhiodh  fhios  aig  gin  de 
chloinn  Mhic  Leoid  nach  maireann  ciod  an 
rud  neonach  a  bha  anns  an  rud  ris  an  abrar 
Toe  H.  Na'n  robh  "Caraid  nan  Gaidheal" 
beo  bu  mhaith  leam  fhoighneachd  dheth  ciod 
am  facal  Gaidhlig  a  chuireadh  e  air  Toe  H. 

Theagamh  gu'm  biodh  e  na  b'  fhfearr  nia'n 
robh  na  bu  lugha  de  ghnothuichean  beaga 
a'  tighinn  air  beulaobh  an  t-Seanaidh,  ach 
cha'n  'eil  sin  cho   furasda  a  dheanamh    's   a 


tha  e  a  radh.  Tha  a  h-uile  duine  an  diiil 
gur  e  an  gnothuch  anns  a  Wieil  lamh  aige 
fein  an  gnothuch  as  priunnspalaiche,  agus  co 
dhiu  cha  ghabh  rud  mor  no  beag  deanamu 
anns  an  eaglais  gun  chead  an  Ard  Shean- 
aidh,  oir  is  e  an  Seanadh  ceann-criche  gach 
gnothuich  agus  gach  gearain. 


DACHAIDH  SHONA. 

Ann  an  Cille-sgumain  tha  seana  charaid 
air  am  bi  mi  air  uairean  a'  tadhall. 
Tha  an  duine  os  cionn  ceithir  fichead  agus 
a  bhean  gle  dhluth  air  a'  cheart  aois.  Tha 
iad  posda  leth  cheud  bliadhna  ach  tha  an 
teaghlach  sgapta  air  feadh  an  t-saoghal,  is 
cha'n  'eil  aig  na  seann  daoine  ach  iad  f^in. 
Ged  nach  'eil  a'  bheag  de'n  t-saoghal  aca 
tha  iad  taingeil  toilichte ;  tha  uallach  na  h- 
aoise  air  aotramachadh  dhaibh  le  pension  na 
seann  aoise  a  tha  aca  le  cheile.  An  uair  a 
bhithear  a'  mallachadh  Lloyd  George,  agus 
sin  an  aon  obair  agus  an  aon  seanchas  a  bhios 
aig  tri  trianan  de  mhuinntir  na  duthcha  so 
an  uair  nach  bi  iad  'n  an  cadal,  bu  choir 
dhuinn  a  chuimhneachadh  gu  bheil  co-fhair- 
eachduinn  aig  Lloyd  George  ris  na  bochdan, 
agus  gu  bheil  miltean  anns  an  rioghachd  an 
diugh  aig  a  bheil  aobhar  ainm  a  bheannach- 
adh  a  chionn  gvi'n  tug  e  air  falbh  bhuapa  an 
t-eagal  a  bha  orra  roimh  sheann  aois. 

Ach  gus  tilleadh  ri  mo  naigheachd,  ged 
tha  dachaidh  na  caraid  ud  beag  is  diblidh 
tha  an  tigh  air  a  chumail  cho  glan  ris  an 
or,  is  tha  iad  fein  sona  'n  a  bhroinn.  Oir 
tha  eagal  an  Tighearna  orra  le  cheile  is 
bidh  iad  a  labhairt  r'  an  Athair  neamhaidh 
ann  an  urnuigh  mu  gach  duileadas  no 
deacaireachd  a  thachras  orra. 

Ma  bu  mhaith  leat  an  creideamh  Criosd- 
uidh  a  thuigsinn  cha'n  ann  ann  an  leabh- 
raichean  nam  feallsanach  no  ann  an  leabh- 
raichean  nan  diadhairean  a  gheibh  thu  an 
solus  ach  ann  an  dachaidhean  nam  bochd. 
Tha  na  feallsanaich  agus  na  diadhairean 
maith  gu  leoir  'n  an  aite  fein,  ach  cha  toir 
iad  a  steach  thu  ach  do'n  chuirt-a-mach ;  ach 
ann  an  dachaidhean  nam  bochd  gheibh  thu 
thu  fein  air  uairean  anns  an  ionad  as  ro- 
naomha,  is  chi  thu  anns  an  ionad  sin  coin- 
neal  gheal  do  nach  d'  fhuair  Iain  Calvin  no 
duine  eile  an  t-ainm  ceart  riamh. 


Cha'n  aohhar   ndire  leamsa   Grioxd , 
No   'chvis  a  dhlon  gu  heachd  : 
A  erann  a  eheusaidh  ni  mi  uaill , 
Geilleam  gach  uair  d'a,  reachd. 


1928. 


AN  FHIANUIS   CHEART. 

Thugaihh  urram  do  na  h-uile  dhaoine. 
Grddhaichibh  na  braithrean.  Bitheadh  eagal 
Dhe  oirhh.  Thugaihh  urram  do'n  righ. — 
I.  Peadar  2,  17. 

Theagamh  nach  'eil  cuiinhne  aig  a'  inhoi- 
chuicleachd  an  diugh  air  an  naindideas  a  bha 
air  a  nochdadh  an  aghaidh  an  duine  dhiadh- 
aidh,  Seanailear  Booth,  an  uair  a  chuii'  e 
Armailt  na  Sldinte  air  chois  an  toiseach  ann 
an  Sasunn.  Ann  an  cuid  de  na  bailtean 
mora  bha  e  air  a  mhallachadh  is  air  a 
mhionnachadh  le  graisg  a'  bhaile  mar  gu'm 
b'e  teachdair  Shatain  a  bha  ann ;  bhiodh  iad 
a'  deanamh  iorghuill  aig  na  coinneamhan  a 
bha  e  a'  gleidheadh  agus  a'  feuchainn  ri  stad 
a  chur  orra.  Ann  an  Sheffield  aon  uair 
chaidh  iad  as  a  dheidh  agus  as  deidh  a 
mhnatha  1©  clachan  is  uibhean  groda,  is  thug 
iad  an  t-aodach  'n  a  stiallan  bharr  druim 
nan  cailleagan  a  chuir  orra  boinneidean  na 
h-armailt.  Bha  naigheachdan  breugach  air 
an  sgaoileadh  air  feadh  na  duthcha  mu'n  dol- 
a-mach  a  Vjha  aig  luchd-leanrnbuinn  Bhooth 
anns  na  coinneamhan-dusgaidh  a  bhiodh 
aca.  Bha  so  uile  air  a  dheanamh  le  daoine 
loia  nn.ch  hu  toil  Armailt  na  Sldinte,  agus  a 
bha  air  son  an  obair  a  mhilleadh.  Ach  tha 
an  saoghal  uile  ag  aideachadh  an  diugh  gu'm 
bu  duine  Seanailear  Booth  a  bha  coltach  ri 
Barnabas,  duine  a  bha  Ian  de  chreideamh 
agus  de'n  Spiorad  Naomh. 

Bha  a'  cheart  rud  air  a  dheanamh  air  na 
ceud  Chriosduidhean.  Bha  an  naimhdean 
a'  sgaoileadh  naigheachdan  breugach  umpa, 
ag  radh  nach  robh  annta  ach  daoine  neon- 
ach  is  daoine  cumhann,  nach  robh  dileas 
do'n  iompaire  agus  nach  robh  baigheil  r'an 
coimhearsnaich.  Bha  fhios  aig  Peadar  gu 
robh  sin  air  a  chur  as  an  leth,  agus  b'e  sin 
an  t-aobhar  gu'n  do  sgrlobh  e  na  briathran 
so  gu  muinntir  na  h-eaglais,  Thugaihh 
urram  do  na  h-uile  dhaoine ;  Grddhaichibh 
na  braithrean ;  bitheadh  eagal  Dhe  oirbh  ; 
thugaibh  urram  do'n  righ.  Mar  gii'n  ab- 
radh  e  riu,  Bithibh  faicilleach  mach  toir 
sibh  aobhar  do  dhuine  air  bith  tuaileas  a 
thogail  oirbh;  cha'n 'eil  doigh  as  fhearr  air 
droch  thuaileas  a  thilleadh  na  nochdadh  le 
'ur  oaitheamh-beatha  nach  'eil  firinn    ann. 

Is  e  an  fhianuis  as  laidire  as  urrainn  duine 
a  thogail  air  taobh  Chriosd  anns  an  t-saoghal 
a'  bheatha  naomh  a  ghradhachadh  agus  a  lean- 
tuinn.   Air  uairean    bidh  e  ann  am  inntinn 


nach  gabh  an,  diadhaidheachd  teagasg ;  nach 
urrainn  aon  duine  le  comhairle  shuidhichte 
diadhaidheachd  no  slighe  na  beatha  a  thea- 
gasg  do  dhuine  eile.  Theid  .againn  air  a' 
BhiobuU  a  theagasg,  agus  air  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist,  agus  air  Creud  is  Paidir 
a  theagasg.  Ach  cha  ghabh  an  diadhaidh- 
eachd teagasg  air  an  doigh  sin ;  tha  an  diadh- 
aidheachd air  a  teagasg  (1)  leis  an  Spiorad 
Naomh,  agus  (2)  leis  a'  bhuaidh  a  tha  aig 
naomhachd  aon  duine  air  cridhe  duine  eile. 

A  mhuinntir  mo  ghrdidh  biodh  'ur  caith- 
eamh-heatha  niaith  an  lathair  nan  Cinneach 
a  chum  's  gu'm  feum  iad  'ur  deagh  oibre 
aideachadh,  a  dh'  aindeoin  gach  tuaileis  a 
thog  iad  oirbh  mar  dhroch  dhaoine,  an  uair 
a  chi  iad  sibh  air  'ur  dearbhadh,  agus  gu'ii 
toir  iad  gloir  do  Dhia.  Air  sgcith  an  Tigh- 
earna  thoiribh  umhiachd  do  gach  ughdarras 
laghail;  do'n  iompaire  mar  an  t-ughdarras 
saoghalta  as  dirde,  agus  do  luchd-riagh- 
laidh  mar  dhaoine  d'  an  tug  esan  coir  air 
eucoraich  a  pheanasachadh  agus  daoine  onor- 
ach  a  sheasarnh;  oir  is  e  toil  Dhe  gu'n  cuir-^ 
eadh  sibh  'n  an  tosd  le  'ur  deagh  dheanadas 
an  tuaileas  aineolach  a  bhios  daoine  amaid- 
each  a'  togail  oirbh.  Giulainibh  sibh  fein 
mar  dhaoine  a  tha  saor,  ach  na  deanaihh  'ur 
saorsa  'n  a  cledca  do'n  olc;  giulainibh  sibh 
fein  mar  sheirbhisich  Dhe.  Thugaibh  urram, 
do  na  h-uile  dhaoine.  Grddhaichibh  na 
brdithrean.  Bitheadh  eagal  Dhe  oirbh.  Thu- 
gaihh  urram  do'n  righ. 

Cha  bhiodh  ann  ach  cosg  cainnte  a  bhi  ag 
earalachadh  air  luchd-leughaidh  a  bhuineas 
do  eaglais  na  h-Alba  urram  a  thoirt  do'n  righ, 
aig  an  dearbh  am  anns  a'  bheil  cuid  d'  ar 
braithrean  anns  an  eaglais  eile  ag  radh  gu 
bheil  sinn  a'  toirt  tuilleadh  's  a  choir  de 
urram  do'n  righ  cheana,  agus  gur  e  gin  an 
t-aobhar  nach  leig  an  coguisean  leo  aonadh 
a  dheanamh   ruinn. 

Aoh  tha  feum  againn  uile  air  na  h-ear- 
ailean  eile  oir  is  e  eagal  an  Tighearna  tus 
a'  ghliocais  agus  tus  na  diadhaidheachd,  agus 
is  e  gradh  braithreil  comharradh  agvis  toradh 
na  diadhaidheachd. 

Ach  ciod  a  tha  an  t-abstol  a'  ciallaohadh  le 
urram  a  thoirt  do  na  h-uile  dhaoine?  Tha 
mi  an  diiil  gu  bheil  e  a'  ciallachadh  gun  tair 
a  dheanamh  air  duine  air  bith.  Duine  a 
tha  taireil  magail  air  a  cho-chreut-airean, 
agus  a  labhras  gu  guar r ach  umjDa  no  riutha, 
sin  agad  duine  anns  nach  'eil  an  inntinn  a 
bha  ann  an  Criosd. 


30 


An  do  sinuainich  thu  riamh,  a  leughadair, 
ciod  a  bha  Criosd  a'  ciallachadh  an  uair  a 
thuVjhairt  e  am  t'acal  so,  Co  air  hith  a  their 
r'a  bhrdthair,  Amadain,  bidh  e  arm  an 
cunvart  teine  ifrivn.  Tha  e  duilich,  Ama- 
dain, a  radh  ri  diiine  air  bith  ann  an  doigh 
laghach,  no  ann  an  doigh  mhodhail,  ach  ma 
tha  dithis  dhaoine  ann  an  daimh  dhluth  d'a 
cheile,  agus  a'  tuigsinn  a  cheile,  theagamh 
gu'n  teid  aig  an  daia  fear  air,  Amadain, 
a  radh  i-is  an  fhear  eile  gun  a  ghortachadh. 
Ach  bha  Criosd  a'  smuaineachadh  air  an  t- 
seorsa  duine  a  tha  cho  taireil  air  daoine  eile 
agus  cho  suarrach  air  am  faireachduinnean 
's  gu'n  abair  e,  coin  is  amadain,  riu  cho 
deas  's  a  their  e  an  ainm.  A  reir  teagasg 
Chriosd  tha  an  duine  sin  ann  an  staid  chun- 
nartach. 

Cha'n  'eil  rud  air  an  t-saog:hal  as  seirbhe 
do  dhuine  a  bhi  cuimhneachadh  na  gu'n  do 
labhair  e  uaireigin  ri  duine  eile  ann  an 
doigh  mhagail  no  thaireil  a  ghoirtich  an 
duine  sin.  Do  dhuine  aig  a  bheil  coguis 
mhaoth  sin  cumhneachan  a  bheir  air  falbh 
bhuaith  cadal  na  h-oidhche,  gu  sonraichte 
ma's  ann  air  cloinn  no  air  seii-bhisich  a  leag 
e  a.  theanga  neo-thimchioll-ghearrte.  "Cuir 
thusa,  lehobhah,  faire  air  mo  bheul ;  gleidh 
dorus  mo  bhilean." 

Ann  an  eaglais  mhor  mar  tha  eaglais  na  h- 
Alba,  no  anns  an  eaglais  Shasunnaich,  cha 
'n  'eil  am  braithreachas  air  a  chumail  suas. 
mar  tha  e  anns  na  h-eaglaisean  beaga ;  am 
measg  nam  Baisteach,  am  measg  Comunn 
nan  Cairdean  ris  an  abrar  na  Quakers,  agxis 
am  measg  muinntir  na  h-eaglais  Shaoir. 
Theagamh  gu  bheil  rud  beag  de  chumhann- 
achd  a'  dol  an  cois  a'  bhraithreachais  so  air 
uairean,  ach  air  a  shon  sin  tha  e  oeart  gu'm 
biodh  buill  na  h-aoin  eaglais  dileas  do  chach 
a  cheile  agus  deas  gvi  each  a  cheile  a  sheas- 
aimh  no  chuideachadh. 

Tha  an  gradh '  maith  agus  ro-mhaith  ; 
maiseach  is  beannaichte  os  cionn  gach 
ni  eile  air  thalamh ;  an  toradh  as  fhearr 
agus  an  comharradh  as  cinntiche  air  an 
diadhaidheachd. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE. 

Bha  an  samhnadh  cho  fuar,  agus  a'  ghrian 
cho  fada  air  chall,  's  nach  d'  fhuair  mi  coth- 
rom  air  mi  fein  a  ghrianadh  ach  gle  annamh 
am  bliadhna.  Ach  thainig  aon  la  blath  air 
an  t-s6achduin  so  chaidh  a  bha  cho  taitneach 
's  gu'n  dubhairt  mi  rium  fein  gu'n  leiginn 
le  obair  an  t-saoghail  dol  do  Chill-fhinn  no 
do  lericho,   agus  gu'n  cuirinn  s^achad  an  la 


a'  cnamh  mo  chir  anns  a'  Choille  Bheithe. 
Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  thu,  a  leugh- 
adair, gu  bheil  mi  air  fas  'n  am  dhui^ 
fiadhaich,  a'  toiseachadh  air  itheadh  feou 
coltach  ri  Nebuchadnesar.  Ach  ged  nach  e 
sin  an  seorsa  cire  a  bhios  mise  a'  cnamh  anns 
a'  Choille  Bheithe  tha  iomadh  rud  ann  a  bu 
mhiosa  a  dh'  fhaodainn  a  bhi  deanamh  na 
bhi  ag  itheadh  feoir.  Air  a'  cheann  mu 
dheireadh  is  ann  air  an  fheur  a  tha  sinn 
uile  a'  beathachaidh  ;  tha  biadh  an  t-saoghail 
a'  tighinn  as  an  talamh,  mathair  gach  beatha 
agus  gach  beaii-teis.  Am  bainne  a  thu  ag 
61,  an  fheoil  a  tha.  thu  ag  itheadh,  ciod  a  tha 
annta  ach  am  feur,  ann  an  riochd  eile? 
Agus  a  thaobh  deusantachd,  tha  e  moran  na's 
deusanta  dhuit  am  feur  itheadh  mar  tha  e  a' 
fas  as  an  talamh,  gu  gorm  grinn  glan,  seach 
a  bhi  'g  a  itheadh  mar  a  chuireas  am  fasan 
agus  na  cocairean  air  do  bheulaobh  e  ann 
an  eanbhruich  a  bha  air  a  dheanamh  air 
earball  daimh,  no  ann  an  taigeis  a  bha  air  a 
dheanamh   air   mionach   caorach. 

Bho  cheann-uachdrach  na  Coille  Bheithe 
bha  sealladh  agam  air  gleann  is  fonn  cho 
aillidh  's  a  chithear  an  Albainn  air  fad, 
lointean  is  leathadan  a'  ghlinne  air  gach 
taobh  air  an  dion  le  beanntan  arda  a  tha  ag 
eirigh  ceithir  thimchioU  air  ;  Creag  IJrrairid 
agus  Beinn-a-Chlo  ;  Beinn-a-Bhracaidh,  agus 
Tulach  ;  Beinn-a-Chuallaich  agus  Teampan 
Shruthain.  Ged  nach  'eil  e  furasda  dreach 
no  maise  a  chur  air  aite  mur  rln  rinn  lamh  n' 
Chruithfhir  maiseach  air  tus  e,  bha  na  seann 
uachdarain  na  bu  dichiollaiche  na'n  fheadh- 
ainn  oga  gu  bhi  a'  cur  sgeimh  is  maise  air 
aghaidh  na  duthcha  le  bhi  cur  chraolahan, 
agus  a'  togail  gharnaidhean,  agus  a'  dean- 
amh iomadh  maitheachadh  eile  a  chuireas  li 
is  loinn  air  aite-  Bha  gaol  nan  craobh  ann 
am  full  nan  uachdaran  d'  am  buin  an  gleann 
so,  air  chor  agus  gu  bheil  barrachd  maise  ri 
fhaicinni  air  na  cUu'ir  lamh  an  Uile-cliumhaoh- 
daich  air  air  tus,  gu  sonraichte  anns  an  eair- 
rach  an  uair  a  tha  an  lairig  6g  a'  gobachadh, 
agus  anns  an  fhoghar  an  uair  a  tha  na 
craobhan  ag  atharrachadh  dath.  Tha  e  cho 
duilich  do  dhuine  a  radh  c6  a'  chraobh  is 
fhearr  leis  's  a  tha  e  a  radh  c6  an  laoidh  is 
docha  leis  ;  tha  ceithir  no  coig  dhiubh  nach 
biodh  furasda  dealachadh  a  chur  eatorra ; 
bheir  thu  an  toiseach  do'n  te  a  bhios  mu  d' 
choinneamh  aig  an  am,  ach  an  uair  a  dh'fhagas 
tu  i  agus  a  sheallas  tu  air  te  eile,  is  e  an  te 
sin  do  luaidh.  Na'm  biodh  tag'hadh  ri  dhean-. 
amh  bhiodh  e  duilich  leam  fei,n  an  caorunn 
fhagail  air  deireadh,  ach  air  a  shon  sin  is  e 
am  beithe  banrigh  na  Coille.  Na'm  biodh- 
an  cruaidh-thaghadh  ri  dheanamh,  is  ann 
ris  a'  bheithe  a  leaninn. 


31 


Chuir  mi  seachad  greis  mhaith  a'  sraid- 
^eaiuachd  air  m'  lais  agus  air  m'  aghaidh,  ach 
9/  bha  a'  ghrian  teth  is  leig  mi  'n  am  shineadh 
fo  sgaile  craoibhe,  agus  an  sin  thoisich  mi 
air  mo  chir  a  chnamh ;  m'  inntinn  a'  toirt  air 
ais  a  seomraichean  diomhair  air  chor-eigin 
cuimhneachain  air  daoine  a  b'  aithne  dhomh, 
air  nithean  a  chunnaic  agus  a  chuala  mi, 
agus  air  faireachduinnean  a  dh'  fhiosraich 
mi  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh.  Ged  is 
luaineacli  a,n  t-eun  an  gobhlan-gaoithe,  oha'n 
'eil  e  cho'  luaineach  ri  inntinn  mhic  an  duine. 
An  taobh-a-stigh  de  leth  mionaid  bha  m'  inn- 
tinn-sa  ann  an  ceithir  ranna  ruadh  an 
domhain,  ach  ciod  air  bith  aite  an  tei'd  i  thig 
i  air  a  h-ais  gu  Cille-sgumain. 

Chuimhnich  mi  air  an  uair  mu  dheireadh 
a  bha  mi  an  eaglais  Chille-sgumain  ;  is  bha 
a  h-uile  duine  a  bha  anns  a'  choimhthional 
cho  soilleir  mu  choinneamh  m'  inntinn  's  ged 
bhiodh  iad  'n  an  suidhe  aig  bun  na  craoibhe 
laimh  rium.  B'e  Sabaid  anns  an  luchar  a  bha 
ann  ;  bha  an  la  trom  bruthainneach  teth  co 
dhiu,  ach  dh'  fhas  e  na  bu  truime  agus  na 
bu  bhruiche  an  uair  a  thoisich  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  air  a  shearmon, 
searmon  anns  an  do  rinn  e  cho  soilleir  ris  an 
Sgeir  Mhoir  gu  robh  an  diadhair  Cheyne 
fada  fada  cearr  anns  na  beachdan  a  bha  aige 
a  thaobh  lerahmeel.  Ach  bu  choma  leis  na 
ciobairean  agus  na  geamairean  a  bha  anns  an 
eisdeachd  co  dhiubh  a  bha  ann  an  lerahmeel 
ilxiinp  no  beathnoh  :  bha  iad  uile  'n  an  cadal 
agusguth  a'  mhinistir  'n  an  cluasan  margu'm 
biodh  e  a'  dol  na  b'  fhaide  agus  na  b'  fhaide 
bhuapa,  gus  mu  dheireadh  nach  robh  iad  ach 
a'  cluinntinn  gu  fann  rud-eigin  mar  so, 
clag  agus  2Wrnff7-anat,  pomgrnnat  agus  dag  ; 
lerahmeel  agus  Cheyne,  Cheyne  agus  lerah- 
m.eel.  Le  sealltuinn  air  druim  a'  Choirneil 
theireadh  tu  gu  robh  esan  'n  a  dhusgadh  oir 
bha  a  dhruim  cho  direach  ri  slat  gunna,  ach 
mhothaich  mi  gu  robh  e  an  drasd  's  a  ris  a' 
gnogadh  a  chinn  mar  gu'm  biodh  e  a'  dean- 
amh  a  bheic.  Ach  co  dhiubh  a  bha  e  ag  aon- 
tachadh  leis  a'  mhinistear,  no  a'  deanamh  a 
bheic  do  lerahmeel,  no  do  bhan-dia  an 
luchair,  cha   'n  urrainn  mi    a    radh. 

An  sin  thachair  rud  neonach  ann  an 
eaglais  Chille-sgumain,  rud  cho  neonach  's 
nach-  'eil  fhios  ag^am  co  dhiubh  a  bha  mi  fein 
'n  am  chadal  no  'n  am  dhusgadh  an  uair  a 
chunnaic  mi  e.  Thainig  an  coimhthional 
beo.  Bha  na  briathran  clag  agus  pam- 
granat,  powgranat  agus  clag,  lerahmeel 
agus  Cheyne,  Cheyne  agus  lerahmeel,  a' 
tighinn  o'n  chubaid  mar  bha  iad  roimhe,  ach 
cha  robh  an  coimthional  a  nis  'g  an  cluinn- 
tinn, no  ma  bha  iad  'g  an  cluinntinn,  bha 
an  fhuaim  mar  gu'm  biodh  stoth  a'  chladaich 


'n  an  cluasan ;  bha  aire  a'  ohoimhthionail 
air  an  gnothuichean  saoghalta  agus  gun  aire 
idir  aca  do  na  bha  an  t-T^rramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  ag  radh. 

Mhothaich  mi  gu'n  tug  an  Coirneal  leabhar 
beag  dearg  a  mach  as  a  phoca  agrns  gu'n  do 
thoisich  e  air  figearan  a  chur  sios  ann  mar 
gu'm  biodh  e  ag  obair  air  ceistean.  Chrath 
e  a  cheann  uair  no  dha,  is  dh'  fhas  e  dearg 
anns  an  aodann,  is  ghlaoidh  e  ann  an  guth 
a  dh'  fhaodadh  na  mairbh  a  dhusgadh,  ma 
leanas  so  cha.  seas  an  oighreachj  ris  coig 
bliadhna.  Bha  guth  a'  Choirneil  cho  laidir 
's  gu'n  do  shaoil  mi  nach  e  a  mhain  gu'n 
cluinneadh  a  h-uile  duine  anns  an  eaglais 
e  ach  gu'n  toireadh  e  air  na  cridheachan  aca 
clisgeadh,  ach  an  uair  a  sheall  mi  mu'n  cuairt 
a  dh'  fheuchainn  ciod  a  bha  an  corr  de'n 
choimhthional  a'  deanamh,  cha  robh  a  chos- 
las  air  duine  anns  an  eaglais  gu'n  cual  iad 
facal  de  na  thid>hairt  an  Coirneal,  is  bha  an 
t-Urraraach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  a' 
leantuinn  air  lerahmeel  agus  Cheyne,  Cheyne 
agus  lerahmeel  mar  nach  tugadh  an  Coirneal 
an  raoic  ud  as  idir. 

Shuas  air  suidheachan  a  bha  air  an  lobh- 
taidh,  air  laimh  chli  na  ciibaid,  bha  Tom 
Elliot,  fear  an  tigh-osda,  'na  shuidhe  agus 
slat-iasgaich  'n  a  laimh.  Bha  e  a'  siabadh 
madhair  os  oionn  a'  ohoimhthionail  mar  gu'm 
biodh  e  ag  iasgach  bhreac  air  Loch  Moraig ; 
uair  de  na  h-uairean  a  shiab  e  an  t-slat  chuir 
e  an  dubhan  ann  am  boineid  riomhaich  a  bha 
air  bean  a'  bhancair.  An  viair  a  chunnaic 
e  gu'n  deachaidh  an  dubhan  an  sas  thainig 
braoisg  air  aodann ;  thoisich  e  air  a' 
chuibhill  a  bha  air  an  t-slait  a  thachras  is 
chunnaic  mi  a'  bhoineid  ag  eirigh  bharr 
ceann  bean  a'  bhancair  cho  soilleir  's  gu'n 
tug  mi  an  aire  gu  robh  a  fait  liath  air  a 
bhobadh.  Chuir  an  obair  a  bha  aig  Tom 
Elliot  ionghnadh  orm,  agus  uamhas  cuid- 
eachd,  is  sheall  mi  mu'n  cuairt  orm  a  dh' 
fheuchainn  ciod  a  bha  each  a'  saoilsinn  de'n 
obair  thoibheumach  ud.  Ach  rud  a  bu 
neonaiche  air  fad,  cha  robh  a  choslaiS  air 
duine  anns  an  eaglais  gu'm  faca  iad  an  t- 
slat  a  bha  ann  an  laimh  Tom  Elliot,  no 
gu'm  facai  iad  boineid  bean  a'  bhancair  ag 
eirigh  bharr  a  cinn.  Thug  mi  suil  eile  air  Tom 
Elliot,  is  bha  an  duine  'n  a  shuidhe  anns  an 
t-suidheachan  cho  soluimte  ri  Siorram  agus 
a  dha  shuil  duinte.  Ach  bha  seorsa  de 
bhraoisg  air  aodann. 

Cha  robh  duine  anns  a'  choimhthional 
nach  robh  trang  ri  rud-eigin  ;  bha  cath  shean- 
chais  a'  dol  air  aghaidh,  ach  is  ann  riu  f^in 
a  bha  daoine  a'  seanchas,  agus  a  reir  chos- 
lais  cha  robh  each  'g  an  cluinntinn.  Cha 
mho  a  bha   iad    a'    faicinn    ciod    a   bha    an 


32 


fheadhainn  a  bha  anns  an  aon  suidheachan 
riu  a'  deanamh.  Bha  Ealasaid  Bheag  agus 
bean  a'  bhancair  taobh  ri  taubh ;  Ealasaid 
Bheag  ag  urnuigh  agus  a'  leughadh  a'  Bhio- 
buill  uair  ma  seach,  ach  ged  bha  i  'ga  leugh- 
adh  ann  an  gubh  mor  coltach  ris  an  Etiop- 
anach  a  thachair  aii'  Philip  cha  robh  bean  a' 
bhancair  'ga  cluinntinn.  Bha  a  h-aire-se 
air  a  gnothuichean  fein  ;  bha  i  a'  cunntas 
nan  daoine  a  bha  'n  a  beachd  iarraidh  gu 
pearrti  an  uair  a  bhiodh  na  subhagan-lair 
anns  a'  gharradh  deas. 

Bha  am  Maisanta  'n  a  chabhaig  a'  tonihas 
siucair ;  bha,  am  bancair  a'  deanamh  a 
thiomnaidh  do  Iain  Mac  Coinnich  ;  Iain  Mac 
Coinnich  fein  agus  speal "  aige  a'  gearradh 
ohuiseagan  aig  ceann  iomaire  buntata.  Agus 
fad  na  h-uine  bha  na  briathran  a'  tuiteam 
gu  fann  air  mo  chluais  mar  gu'm  biodh  iad 
a'  tighinn  o  thaobh  thall  an  t  saoghail,  Clag 
agus  pomgranat,  pomgranat  agiis  clag ; 
lerahmeel  agus  Cheyne,  Gheyne  agus  lerah- 
meel. 

Chuir  e  ionghnadh  anabarrach  orm  an  t- 
atharrachadh  a  thainig  air  a'  choimhthional 
mu  choinneamh  mo  shul  ;  daoine  a  bha  an 
suilean  diiinte  agus  a  reir  choslais  a  bha  'n 
an  cadal  oeathramh  na  h-uaire  roimh  so,  bha 
iad  a  nis  cho  beot.hail  's  ged  bhiodh  iad  a' 
ceannach  anns  a'  mhargadh.  Ciod  a  b' 
aobhar  da?  An  robh  mi  a'  bruadar  ?  Air 
neo  an  robh  na  smuaintean  a  bha  ann  an 
cridheachan  nan  daoine  ud  air  am  foill- 
seachadh  ann  aiT~c!  txth  follaiseach  ?  Am  b'e 
an  t-slat-iasgaich  agus  an  dubhan  a  chaidh 
an  sas  ann  am  boinneid  bean  a'  bhancair  an 
cruth  foUaiseach  anns  an  robh  smuaintean 
Tom  Elliot  air  am  foillseachadh,  agus 
a  shuilean  duinte,  ag  eisdeachd  ri  guth  an 
Urramaich  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  a' 
dranndail  'n  a  chluais,  Clag  agus  pom- 
granat, pomgranat  agus  clag ;  lerahmeel 
agus  Cheyne^  Cheyne  agus  lerahmeel? 


Cha'n  'eil  fhios  agam  ciamar  a  thachair 
e  ach  an  ath  mhionaid  cha  robh  mi  a'  cluinn- 
tinn guth  a'  mhinistir  idir  agus  cha  mho 
a  bha  mi  'g  a  fhaicinn  anns  a'  chiibaiil. 
Chaidh  e  fein  agus  lerahmeel  agus  Cheyne 
as  an  t-sealladh.  Os  cionn  bord  a'  Choman- 
achaidh  a  bha  air  l>eulaobh  na  cubaid  chun- 
naio  mi  solus  geal,  a'  sgaoileadh  uigh  ar  n- 
uigh,  agus  anns  an  t-solus  Neach  a  dh'  aith- 
nicheas  a  h-uile  duine  air  thalamh  a  cheart 
cho  luath  's  a  chi  iad  e.  Ged  bha  aghaidh 
air  a  milleadh  seach  aghaidh  duine  agus  a 
dhreach  seach  dreach  chlann  nan  daoine  bha 
baigh  is  blaths  'n  a  aodann  nach  fhacas  air 


aodann  eile  riamh.  An  uair  a  dhearc  mo 
shuil  air  an  Neach  so  thainig  mo  smuaintean 
luaineach  dhachaidh  mar  chalumain  gu  an 
ionad-taiuih  ;  an  aite  na  seirbhis  a  bhi  sgith- 
eil  fadalach  bha  a  nis  oran  nuadh  'n  am 
chridhe,  oir  chuala  mi  a  ghuth-san  ag  radh, 
thig  an  Tighearfi  a  tha  sihh  ag  iarraidh  g'a 
theampuU  gu  grad. 

Ged  bha  cruth  an  Neach  so  cho  soilleir, 
agus  an  solus  a  bha  timchioll  air  cho  deal- 
rach,  thug  mi  an  aire  nach  robh  cuid  de'n 
choimhthional  a'  faicinn  dad  ;  cha  robh  fair- 
eachadh  air  bith  aca  gu  robh  an  Neach  so  'n 
am  measg.  Ach  chunnaic  Ealasaid  Bheag  e, 
agus  Calum  Domhnullach  am  beadall,  agus 
bean  a'  mhinistir,  agus  aon  no  dha  eile,  a 
thuilleadh  air  Ian  suidheachain  de  chloinn 
a  bha  shios  aig  an  dorus,  agus  a  bhual  am 
basan  an  uair  a  chunnaic  iad  e,  rud  a  dhuisg 
an  fheadhainn  a  bha  'n  an  cadal.  Cha'n 
fhaca  an  Coirneal  dad,  no  Tom  Elliot,  no 
na  geamairean  ;  bha  an  suilean  air  an  cumail, 
a  chum  nach  aithnicheadh  iad  e. 

Chrom  mi  mo  cheann  a  dheanamh  guidhe 
agus  athchuinge  'n  am  chridhe;  an  uair  a 
thog  mi  mo  cheann  bha  an  Neach  so  a'  cois- 
eachd  gu  reidh  troimh  mheadhon  na  h-eaglais, 
a'  stad  an  sid  agus  an  so  aig  ceann  suidh- 
eachain, ag  radh  ris  an  fheadhainn  a  stad 
e  m'  an  coinneamh,  Tha  am  Maiglisfir  an  so 
agus  tha  e  'g  ad  ghairm.  Chlisg  cuid  de  na 
chuala  a  ghuth  mar  gu'n  rachadh  saighead 
annta,  ach  cha  do  fhreajrair  inr!  e;  dh'  ("-i-ioai 
aon  no  dha  agus  lean  iad  e  gu  toileach  agus 
aon  no  dha  gu  h-aindeonach ;  ach  thionn- 
daidh  cuid  eile  an  aodann  air  falbh  uaith  is 
chaidh  iad  a  mach  as  an  eaglais. 

Thainig  e  'n  am  chridhe  gu'm  bu  mhaith 
leam  beantainn  ri  iomall  a  thrusgain,  ach 
an  uair  a  dh'  fheuch  mi  ri  eirigh  cha  b' 
virrainn  domh  gluasad  ;  bha  mo  lamhan  agus 
mo  chasan  air  an  liith  a  chall  is  dh'  fhairich 
mi  mar  gu'm  bithinn  agus  ceangal  nan 
ceithir  chaol  air  a  dheanamh  orm  air  bruaich 
stalla.  Leis  an  uamhas  a  ghabh  mi  thug  mi 
crathadh  laidir  orm  fhein  a  dh'  fhuasgail 
na  ceanglaichean,  is  leum  mi  'n  am  sheasamh. 

Feumaidh  gu'n  do  chaidil  mi;  a'  ghrian  a 
bha  OS  cionn  lonar-bhac  an  uair  a  leig  mi 
'n  am  shmeadh  fo'n  chraoibh,  bha  i  a  nis  os 
oionn  Sithchaillinn.  Cha  robh  ach  aon 
fhuaim  a'  briseadh  samhchair  na  Coille 
Bheithe  ;  cha  b'  e  guth  an  Urramaich  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  a  bha  mi  a'  cluinntinn  ag 
aithris,  Clag  agus  pomgi'anat,  pomgranat 
agtis  clag,  lerahmeel  agtis  Cheyne,  Cheyne 
agus  lerahmeel,  ach  guth  racail  treoin  a  bha 
sroirsinn  ann  an  achadh  fe^ir  eadar  mi  agus 
Bailuain, 


TEARMUNN  A'   CHREIDMHICH. 


An  uair  a  shiiihhlas  tu  troimh  na  h-uis- 
geachan,  hidh  mist  maille  riut ;  agus  troimh 
na  h-aihhnichoan,  cha  tig  iad  tharad ;  an  uair 
a  dh'  imicheas  thu  troimh  an  teine  cha  lois- 
gear  thu. — Isaiah  xliii.  2. 

Labhair  am  faidh  na  biiathran  so  chum 
misneach  a  thoirt  do  shluagh  Israeli  an  uair 
a  bha  lad  ann  am  bralghdeanas  ann  am 
Babllon.  Bha  freasdal  Dhe  a'  gluasad  ann 
an  dolghean  diomhalr,  Is  bha  culsean  alg  an 
am  cho  dorcha  's  gu'n  do  thuit  lad  ann  an 
diobhail  misnlch  agus  gu'n  do  tholslch  lad  air 
a  radh  "Tha  mo  shllghe  folulchte  o'n  Tlgh- 
earna,  tha  mo  choir  air  a  lelgell  air  dearmad 
le  mo  Dhla."  Air  gach  taobh  bha  lad  a' 
falclnn  cumhachd  Bhabiloln,  agus  gach  latha 
bha  lad  a'  falreachdulnn  cudthrom  lamh  an 
fhlr-sharuchaidh,  gus  mu  dhelreadh  an  do 
laigh  dubh-bhron  air  an  crldhe  agus  an 
do  chain  lad  an  dochas  gu'n  saoradh  Dla  lad 
as  an  tir  cholmhlch  ud. 

B'e  sin  an  suldheachadh  truagh  anns  an 
robh  sluagh  Israeli  an  uair  a  llubhalf  am 
faidh  dhalbh  an  sgeul  aoibhneach  so,  agus  is 
e  sulm  a  theachdaireaclid, 

Ur-mhisneach  glacaihh,  'naoimh  gun   tredir 
Na  nedil  is  duirch'  tha  Ian 
De  thrdcair  chaoimh  is  doirtear  led 
Oirhh  maitheas  mor  gun  dciil. 

Tha  e  ag  Innseadh  dhalbh  gu  bhell  an  t-am 
dliith  anns  am  faigh  lad  saorsa  o  chuing  an 
luchd-saruchaidh  do  bhrigh  gu'n  do  thionn- 
daidh  an  Tlghearn  a  chorrulch  air  falbh 
uapa.  Ged  pheacalch  Israeli  an  aghaidh  an 
Tighearna  cha  do  ghleidh  esan  a  chorrulch  gu 
siorruidh  do  bhrigh  gu'm  bu  tolgh  lels  trb- 
calr.  Bha  am  faidh  clnnteach  gu'm  b'e 
ceannalrc  a  luchd-diithcha  an  aghaidh  lagh- 
annan  an  Tlghearn  a  b'  aobhar  do  na  trlob- 
laidean  agus  do  na  truaighean  a  thalnig 
orra,  ach  air  dha  comharraidhean  na  h-alm- 
slr  a  leughadh,  tha  e  ag  radh  riu  gu  bhell 
lalthean  an  smachdachaldh  a  nis  seachad, 
agus  gvi  bhell  aghaidh  an  Tlghearn  air  a 
tlonndadh  orra  ann  an  coibhneas  air  chor 
agus  nach  ruig  lad  a  leas  a  bhi  fo  eagal, — 
An  uair  a  shiiihhlas  sihh  troimh  na  h-aihh- 
nichean  cha  tig  iad  thairis  oirhh ;  an  uair  a 
dh''  imicheas  sihh  troimh  an  teine  cha  lois- 
gear  sihh,  agus  cha  dean  an  lasair  greim 
oirhh, 

Anns  an  t-Seann  Tiomnadh  tha  teine  agus 
uisge     air    an    gabhall    gu    bltheanta    mar 


1928. 


shamhlaldhean  air  trioblaldean  agus  cunn- 
artan  na  beatha  so.  Ann  an  aon  alte  tha  an 
Salmadair  ag  radh,  "chaldh  do  stuadhan 
agus  do  thonnan  tharum,"  agus  ann  an  alte 
eile  tha  e  ag  radh,  "chaidh  sinn  troimh 
theine  agus  troimh  uisge,"  agus  is  e  bha  e 
a'  clallachadh  leis  an  doigh-bruldhne  sin,  na 
h-amhgharan  agus  na  gabhaldhean  a  thach- 
alr  ris  air  a  thurus.  Faodar,  mata,  an  teine 
agus  an  t-uisge  air  a  bhell  am  faidh  a' 
labhairt  anns  a'  chaibidell  so  a  ghabhail 
anns  an  t-seadh  as  f arsulnge  mar  ghealladh 
prisell  a  thug  Dia,  cha  'n  ann  do  chlolnn 
Israeli  a  mhain  ach  d'a  shluagh  anns  an  la 
diugh,  agus  anns  gach  la  eile  gu  brath, 
gu'm  bl  e  fein  maille  riu   anns  gach  teinn. 

I.  Cha'n  'ell  am  BiobuU  a'  teagasg  gu'n 
seachaln  duileadasan  agus  trioblaldean  an  t- 
saoghail  so  sluagh  an  Tighearna  mar  nach 
seachaln  lad  daoine  eile.  Bha  an  salmadair 
agus  althrlchean  Israeli  am  beachd  gu  bhell 
am  firean  a  faotainn  tullleadh  's  a  roinn  f6in 
de  thrioblaidean  na  beatha,  is  bha  lad  a' 
tlghlnn  thairis  gun  sgur  air  diomhalreachd 
freasdal  an  Tlghearn  ann  a  bhi  tolrt  sear- 
bhadas  anama  d'a  shluagh  am  feadh  's  a  bha 
e  a'  tolrt  sith  is  suaimhneas  do  na  h-aingidh. 
Theab  am  fear  a  sgriobh  Salm  Ixxlil  a  chreid- 
eamh  a  chall  gu  bulleach  an  uair  a  thug  e  an 
aire  do  chor  an  alngidh  an  colmeas  ri  cor  na 
feadhnach  a  bha  glan  'n  an  crldhe.  Sheall 
e  mu'n  cualrt  air  agus  chunnaic  a  "nach  'eil 
na  h-aingidh  air  an  saruchadh  mar  dhaoine 
eile,  tha  iad  a'  soirbheachadh  anns  an  t- 
saoghal,  a'  faotainn  miann  an  crldhe,"  agus 
chunnaic  e  mar  an  ceudna  "gu  bheil  am 
firean  air  a  bhualadh  gach  la  agus  air  a 
smachdachadh  gach  madulnn." 

Ged  bha  so  'na  chnap-starra  do'n  t-salm- 
adair  cha'n  'ell  e  a'  cur  dragh  air  inntinn- 
ean  chreidmheach  an  diugh  oir  tha  iad  a' 
tulgsinn  freasdal  Dhe  na's  fhearr  na  thulg 
esan  e;  tha  iad  a'  tulgsinn  gu  bhell  Dia  a' 
riaghladh  an  t-saoghall  le  laghannan  seas- 
mhach  nach  'ell  ag  amharc  air  pearsachaibh 
seach  a  cheile,  ag-us  alg  nach  'ell  claon-bhaigh 
ri  aon  neach  seach  ri  neach  eile.  Thig  bron, 
is  bochdainn,  is  trioblaid,  is  bas,  gu  tigh  an 
fhirein  cho  clnnteach  's  a  thig  iad  gu  tlgh- 
ean  eile;  a  thaobh  trioblaldean  na  beatha  so 
tha  clann  nan  daoine  a'  faotainn  an  culbh- 
rinn  fein,  co  dhlu  a  tha  iad  ard  no  losal, 
bochd  no  beartach,  salach  no  glan  'nan 
crldhe. 

II.  Ach  ged  nach  saor  Dla  a  shluagh  o 
thrioblaidean  air  a  bheil  na  h-ulle  'n  an  oigh- 


34 


reachan  tha  e  a'  toirt  geallaidh  dhaibh  gu'm 
bi  e  maille  riu  ann  an  la  na  deuchainn  air 
chor  agus  iiach  eirich  olc  dhaibh.  Ged 
bheucas  na  h-uisgeachan  agus  ged  sheideas 
an  doinionn  cha  teid  na  tuiltean  thairis 
orra,  oir  ni  aingeal  a  lathaireachd-san  an 
tearnadh.  'N  an  uile  amhgharan  tha  esan 
a'  fulang  maille  riu  agus  bheir  co-fhaireach- 
duinn  an  Athar  neamhaidh  comhfhurtachd  d' 
an  anam.  Is  e  lathaireachd  Dhe  acair  an 
anama  an  uair  a  bhios  cridhe  agus  feoil 
chreidmheach  a'  failneachadh.  Is  ann  o  Dhia 
a  gheibh  iad  faighidin  gu  bhi  samhach  an 
uair  a  ghairmeas  doimhn©  air  doimhn©  agus 
a  theid  na  tonnan  thairis  orra.  A  chionn  gu 
bheil  iad  eolach  air  a  chaomh  throcair  is  air 
a  choibhneas-graidh,  cuiridh  iad  an  earbsa 
ann  eadhon  an  uair  a  tha  e  'g  an  treorach- 
adh  air  slighe  chruaidh  dhorcha.  Ann  an  la 
an  teinn  gairmidh  iad  air  Dia,  agus  iadsan 
a  dh'  fheitheas  air  an  Tighearn,  athnuadh- 
aichidh  iad  an  neart. 

Ged  nach  trie  le  Satan  an  fhirinn  innseadh 
dh'  amais  e  oirre  an  uair  a  thubhairt  e  ri 
Dia,  "Nach  do  chuir  thu  garradh  mu'n 
cuairt  air  lob."  Tha  Dia  a'  cur  garraidh 
mu'n  cuairt  air  a  sheirbhisich  uile,  'g  an 
dion  agus  'g  an  gleidheadh. 

Ceart  mar  a  ta  na  heanntan  mar 
Timchioll  lerusaleim 
Mar  sin  tha.  Dia  a  nis  's  gu  sior 
Timchioll   a   phobuill   fein. 

Cha'n  ann  aon  uair  ach  mile  uair  a  tha  an 
fhirinn  so  air  a'  cur  slos  'n  a  fhacal  naomh ; 
ma  chailleas  a  shluagh  am  misneach  cha'n  ann 
a  chionn  nach  'eil  geallaidhean  ann  am  Facal 
an  Tighearn  ris  am  faodadh  iad  an  taic  a 
leigeil.  0  mhile  beul,  anns  a'  chruthachadh 
agus  ann  an  oibrichean  an  fhreasdail,  tha  an 
sgeul  aoibhneach  so  a'  teachd.  An  uair  a  theid 
thu  troimh  na  h-uisgeachan  hidh  mise  maille 
riut  agus  troimh  na  h-aihhnichean  cha  tig  iad 
thairis  ort. 

III.  Cha'n  'eil  e  air  uairean  furasd  a 
thuigsinn  ciamar  is  urrainn  gradh  is  caomha- 
lachd  Dhe  a  bhi  air  chul  freasdal  searbh  ach 
is  e  ar  gliocas  a  bhi  samhach  is  faighidinn- 
each  a  chionn  gur  esan  Dia.  Oibrichidh 
faighidin  dearbhadh,  agus  dearbhadh  dochas, 
agus  iadsan  a  chuireas  an  dochas  a  ghnath 
ann  an  Dia,  ath-nuadhaichidh  iad  an  oige 
agus  an  neart.  Eadar  am  breith  agus  am 
bas  tha  uiread  dheuchainnean  a'  tachairt  air 
a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  's  gu'm  bris- 
eadh  iad  an  cridhe  mur  b'e  gu  bheil  lighiche 
caomhail  dliith  dhaibh  a  tha  ag  oibreachadh 
gun  sgur  le  feartan  dlomhair  a  ghrais.  Ann 
an  iomadh  d^igh  nach  16ir  dhaibh  tha  an 
Tighearn  ag  urachadh  am  misnich  agus  an 
neirt;    a'   cur  togar    'n    an    cridhe  is  oran 


nuadh  'n  am  beul,  ged  shaoil  iad  aon  uair 
nach  tilgeadh  iad  dhiubh  an  sac-eudach  agus 
an  luaithre  gu  brath  tuilleadh.  Car  son  a 
tha  thu  air  do  thilgeadh  sios,  0,  m'  anam? 
Tabhair  suas  do  shlighe  do  Dhia,  agus  earb 
as,  agus  an  sin  comhlionaidhDia  a  ghealladh 
dhuit  nach  leig  e  leis  na  h-uisgeachan  dol 
tharad.  Bheir  e  aithne  do  na  h-uisgeachan 
agus  do'n  ghaoith. 


AN  GIOBAIR. 

Thachair  an  ciobair  agus  mi  fein  air  a 
cheile  air  mullach  a'  mhonaidh  ;  esan  a  leigeil 
a  sgiths  'n  a  shuidhe  air  cloich  air  an  fhraoch 
agus  mise  air  mo  rathad  gu  Cille-sgumain. 
Cha  'n  aithne  do  dhuine  air  an  t-sacghal  aois 
a'  chiobair ;  tha  e  cho  sean  ris  na  cnuic ;  cha 
'n  'eil  a  choslas  air  gu  robh  e  riamh  6g.  Ma 
bha,  is  ann  ri  linn  Noah  no  ri  linn  air  chor- 
eigin  eile  air  nach  'eil  cuimhne  aig  daoine 
an  diugh.  Tha  aodann  air  dath  craicinn  air 
a  thiorinachadh  anns  a'  ghrein,  cruaidh  agus 
preasach,  cho  cruaidh  ruighinn  's  gu'm  faod- 
adh tu  prinne  a  chur  ann  gun  cron  air  bith 
a  dheanamh  ach  a  mhain  am  prinne  a  liibadh. 

An  uair  nach  bi  e  a'  siubhal  a'  mhonaidh 
bidh  e  'na  shuidhe  air  cloich,  a  dha  laimh  air 
an  croiseadh  air  a  chromaig  agus  e  a'  dur 
shealltuinn  air  an  lar  mar  gu'm  biodh  e  a' 
cnuasachadh  air  diomhaireachd  is  ceistean 
nach  gabh  fuasgladh.  Cha  'n  fhaca  mi 
riamh  e  a'  sealltuinn  air  na  neoil  na  a'  to- 
gail  a  shiil  a  chum  nam  beann. 

Ged  nach  'eil  sgoil  aig  a'  chiobair,  agus 
ged  is  duine  samhach  e,  bidh  e  air  uairean 
a'  labhairt  ann  an  doigh  a  chuireas  'n  am 
chuimhne  Socrates.  Tha  geiread  is  cuimse 
'n  a  fhacal  nach  fhaighear  ach  ann  an  cainnt 
dhaoine  leis  an  fhearr  an  smuaintean  agus 
am  beachdan  fein  na  beachdan  dhaoine  eile. 

Tha  am  beachd  aige  gu  laidir  nach  fas  feur 
ceart  air  an  fhearann  aig  duine  gamhlasach, 
no  air  uaigh  droch  dhuine.  La  a  bha  sinn  a' 
bruidhinn  air  an  rud  so  dh'  fheuch  mi  ri 
innseadh  dha  gu  robh  an  Salmadair  calg- 
dhireach  'na  aghaidh ;  gu'm  b'e  a'  chuis- 
ghearain  a  bu  mho  a  bha  aige-san  an  aghaidh 
an  fhreasdail  gu  robh  feur  an  aingidh  na  bu 
ghuirme  agus  na  bu  shughmhoire  na  feur  an 
fhirein.  Ach  bu  choma  leis  a'  chiobair  ciod 
a  thubhairt  an  Salmadair ;  ma  bha  e  mar 
sin,  ars'  esan,  anns  na.  diithchannan  sin,  cha, 
'n  'eil  e  mar  sin  anns  an  duthaich  so.  A 
thaobh  nan  uaighean,  cha'n  'eil  rathad  idir 
air  a  thilleadh  ann  an  argumaid ;  ma  dh' 
iarras  tu  air  uaigh  air  bith  a  leigeil  fhaicinn 
dhuit  anns  a'  chladh,  gun  fheur  a  fas  oirre, 
their  e  gu  bheil  cuimhne  aige-san  air  an  uair 
anns  nach  robh  gas  feoir  air  gu  le6ir  dhiubh, 


35 


ach  gu'n  do  thiodhlaickeadh  duine  eile  annta 
hhuaith  sin. 

"An  cuala  sibh  riainli  am  feur  a'  fas, 
thubhaiit  mi  lis?"  "Cha  chual,"  ars'  esan, 
"ach  chuala  mi  e  iomadh  uair  a'  seinn  agus 
a'  caoineadh  cuideachd.  Cha'n  ann  coltach 
ri  caoineadh  dhaoine  a  bhitheas  e  ach  coltach 
ris  a'  chaoineadh  a  bhios  sligean  agus  con- 
achagan   a'    deanamh. 

Cha'n  'eil  seanchas  as  fhearr  leis  na  bhi 
bruidhinn  air  coin,  na  coin  a  bha  aige  o  na 
thoisich  e  air  a'  chiobaireachd,  is  bithidh  e 
a'  bruidhinn  umpa  le  urram  is  faireachduinn 
nach  b'  urrainn  a  bhi  na  bu  mhotha  ged  b' 
ann  mu  Iain  Noes  no  mu  Phrionnsa  Tearlach 
a  bhiodh  e  a'  bruidhinn. 

"Is  e  an  cix,"  ars'  esan,  "an  aon  chreutair 
air  thalamh  a  bheir  maitheanas  dhuit  coltach 
ri  Dia  !  Ged  bhualadh  tu  e  le  bata  no  ged 
bheireadh  tu  dha  breab  thig  e  agus  imlichidh 
e  do  lamh  agus  iarraidh  e  maitheanas  ort  mar 
gu'm  b'e  fhein  a  rinn  an  cron.  Na  'm  feuch- 
adh  tu  ri  breab  a  thoirt  do  chat  bhiodh  e 
anns  an  ath  sgireachd  m'  an  gann  a  thogadh 
tu  do  chas,  ach  cha  'n  e  mhain  gu'm  fan  an 
cu  ris  a'  bhuille,  ach  feuchaidh  e  an  deidh 
laimhe  ri  leon  do  chridhe  a  leigheas  an  uair 
a  chi  e  gu  bheil  aithreachas  ort  air  son  an 
ni  a  rinn  thu." 

"An  uair  a  bha  mi  6g  bhithinn  air  uairean 
a'  gabhail  tuilleadh  's  a  choir  de'n  uisge- 
bheatha,  gu  sonraichte  an  uair  a  rachainn  do 
Pheairt  no  do  lonarnis  le  caoraich,  ach  stad 
mi  dheth  sin  o  chionn  iomadh  bliadhna.  Is 
e  na  coin  a  thug  orm  stad  dheth  ;  bha  aon  chu 
ruadh  agam  air  an  cuireadh  e  uiread  de 
mhulad  m'  fhaicinn  air  an  daoraich  's  nach 
b'  urrainn  da  car  ceart  a  dheanamh  fad 
seachduin  'n  a  dheidh.  Bu  mhiosa  learn 
fhaicinn  agus  a  shuilean  blaomach  a'  seall- 
tuinn  orm,  agus  gun  e  a'  tuigsinn  ciod  a  bha 
cearr,   na'n  trod  a  bheireadh  Anna  dhomh." 

Is  e  an  leabhar  as  fhearr  leis  anns  a'  Bhio- 
buU  Gnathfhncail  Sholaimh  :  tha  e  coma  air 
litrichean  Phoil,  agus  a  dh'  innseadh  na 
firinn,  cha'n  'eil  e  cho  toigheach  air  leabh- 
raichean  an  t-soisgeil  's  a  bu  mhaith  learn, 
ach  6isdidh  e  le  tlachd  fad  la  agus  oidhche 
ris  na  Gnathfhocail,  is  cha'n  'eil  dad  as 
fhearr  leis  na  naigheachdan  beaga  a  chluinn- 
tinn  mu  Sholamh,  an  seorsa  naigheachdan  a 
tha  air  an  innseadh  uime  anns  an  Talmud 
agus  am  beul-aithris  nan  ludhach. 

Tha  meas  mor  aige  air  Solamh  ;  bidh  e  a' 
cur  ionghnaidh  air  ciamar  a  rinn  duine  cho 
glic  ris  nithean  cho  amaideachd  's  a  rinn  e. 
Ach  bidh  e  a'  cur  na  coire  air  na  mnathan  a 
bha  aige,  mar  gu'm  bu  leor  an  leth-sgeul  sin. 
La  a  thubhairt  mise  ris  nach  robh  mi  an  duil 
gu  robh  Solamh  idir  cho  glic  's  a  bha  an  t- 
ainm  aige,  agus  gu  robh  fichead  duine  apn 


an  CiUe-sgumain  fada  na  bu  ghlice  na  bha 
Solamh  riamh,  a  thaobh  toil  is  inntinn  Dhe, 
ghabh  e  uamhas  mar  gu'm  bithinn  a'  labhairt 
an  aghaidh  a'  Bhiobuill. 

La  a  chuala  mi  e  a'  mionnachadh  ris  na 
coin  thubhairt  mi  ris  gu  robh  e  iongantach 
leam  duine  aig  an  robh  uiread  meas  air  coin 
agus  uiread  meas  air  gliocas  Sholaimh  a  bhi 
ag  uisneachadh  cainnt  ghrannda  mar  sud. 
"Cainnt  ghrannda"  ars'  esan,  "cha'n'eil  dad 
cearr  oirre  ach  nach  'eil  thusa  cleachdta  rithe. 
Ged  bhios  mise  a'  mionnachadh  ris  na  coin 
cha'n  'eil  sin  a'  deanamh  cron  air  bith  orra ; 
tha  e  a'  cuideachadh  leo  'n  an  obair  agus  a' 
toirt  orra  a  thuigsinn  ciod  a  tha  'n  am  inn- 
tinn. Tha  mughadh  mor  eadar  mionnachadh 
agus  mallachadh  ;  cha  mhallaichainn-sa  cu  no 
bean  no  paisde  air  son  an  t-saoghail,  ach  cha 
dean  mionnan  deusanta  cron  air  duine  sam 
bith,  gu  sonraichte  ma  tha  talant  aig  duine  gu 
nadurra  orra.  Tha  seorsa  dhaoine  ann  aig 
nach  'eil  a'  ghibt  gu  nadurra  agus  nach 
urrainn  ionnsachadh  ;  cha  bu  choir  na  daoine 
sin  a  leigeil  ris  a'  chiobaireachd  idir  no  ri' 
obair  air  bith  eile  anns  a  bheil  feum  aig  duine 
air  eanchainn." 

Dh'  fheuch  mi  r'a  fhreagairt  cho  mhaith  's 
a  b'  urrainn  mi,  ach  a  dh'  aindeoin  ciod  a 
their  inn  thigeadh  e  air  ais  thuige  sud,  gu 
bheil  mughadh  mor  eadar  mionnachadh  agus 
mallachadh. 


AIRE. 


Is  fhada  o  na  thubhairt  am  faidh  Isaiah 
gu  bheil  daoine  ann  nach  fhaic  ged  tha  suil- 
ean  aca,  agus  nach  cluinn  ged  tha  ctuasan 
aca.  Thug  ar  Slanuighear  an  aire  de'n 
cheart  rud  ann  an  laithean  fheola. 

Ma  bu  mhaith  leat  so  a  dhearbhadh  am 
measg  do  chompanach  no  do  chairdean  fein 
iarr  orra  innseadh  dhuit  (faodaidh  tu,  ma 
thogras  tu,  an  fheadhainn  as  beachdaile 
dhiubh  a  ghabhail)  gu  de  a'  bhinn  a  thug  a' 
chiiirt  a  mach  ann  an  ciiis  Oscar  Slater ;  no 
gu  de  an  dath  a  tha  air  fait  agus  air  suilean 
leth-dusan  duine  a  dh'  ainmicheas  tu,  agus  is 
aithne  dhaibb  gu  maith ;  no  gu  de  na  f  acail  a 
tha  sgriobhta  air  notaichean  dheich  tasdan ; 
no  gu  de  an  fhior  aite  anns  am  faicear  a' 
ghrian  ag  eirigh  agus  a'  luighe  aig  amannan 
s6nraichte  de'n  bhliadhna ;  no  gu  de  an  t-am 
de'n  bhliadhna  (an  la  agus  an  t-seachduin)  a 
tha  eoin  sh^nrachte  no  fluraichean  sonraichte 
a'  teachd  air  an  ais. 


AM  MARCAICHE. 

An  diugh  bithear  a'  saoilsinn  nach  urrainn 
ministear  air  bith  obair  a  sgireachd  a  dhean- 
artih  gu  ceart  mur  bheil  motor  car  aige,  ach 


36 


cha  robh  motor  car  aig  Iain  Wesley  ged  rinn 
e  leis  fein  barrachd  de  obair  shoisgeulach  na 
tha  Cleir  Dhun-cailinii  a'  deanaiuh  an  diugli. 

A  h-uile  ia  bhiodh  e  air  a  chois  aig  ceithir 
uairean  's  a'  mhaduinn  ;  bha  a  h-uile  mionaid 
de'n  la  agus  a  h-uile  la  de'n  t-seachduinn 
air  an  cur  gu  feum  is  bull,  air  chor  agus 
nach  robh  mionaid  air  a  call.  Fad  bhliadh- 
nachan  bha  e  a'  marcachd  coig  mile  de  nihil- 
tean  's  a'  bhliadhna,  agus  air  uairean  a' 
searmonachadh  tri  fichead  uair  's  an  t-seach- 
duin.  Uile  gu  leir  mharcaich  e  da  cheud 
mile  de  mhiltean,  mar  gu'n  rachadh  e  ochd 
uairean  mu'n  cuairt  an  t-saoghail.  Chaidh 
e  thairis  air  iomadh  aiseag  is  abhainn  is 
cuan ;  chaidh  e  thairis  air  a'  Chuan  Eirion- 
nach  da  fhichead  uair  ;  chaidh  e  thairis  air 
an  Atlantic  do  America  annsna  laithean  anns 
an  gabhadh  an  t-aiseag  dluth  air  ceithir 
mlosan  ;  is  chaidh  e  thairis  air  a  Chuan-a- 
Tuath  do'n  Olaint  an  uair  a  bha  e  ceithir 
fichead  bliadhna  a  dh'  aois. 

Ann  an  eachdraidh  an  t-saoghail  cha'n 
aithne  dhomh  duine  eile  a  bu  dilse  agus  a  bu 
dichiollaiche  'na  obair  na  Iain  Wesley,  no 
duine  eile  a  leig  seachad  cho  beag  d'a  uine 
gun  a  cur  gu  buil  cheart.  An  uair  a 
sheasas  sinn  air  beulaobh  ar  Breitheamh  gus 
cunntas  a  thoirt  air  ar  beatha  tha  mi  an  duil 
gur  e  sin  an  diteadh  as  mo  a  dh'  fhaodas 
eagal  a  chur  air  a'  mhor-chuideachd  againn, 
gu'n  do  leig  sinn  uiread  d'ar  n-uine  seachad 
gun  fheum  a  dheanamh  dhith.  Ach  cha  do 
leig  an  duine  ud  aon  mhionaid  seachad.  A 
thuilleadh  air  an  astar  a  shiubhail  e,  agus  an 
obair  shoisgeulach  a  rinn  e,  sgriobh  e  leabh- 
raichean-eachdraidh,  is  foclairean,  is  leabh- 
raichean-gramair,  agus  dh'  ionnsaich  e  coig 
canainean.  Anns  an  diollaid  bhiodh  leabhar 
'na  laimh  ;  ma  dh'  fheumadh  e  feitheamh  ri 
aiseag  bheireadh  e  a  mach  a  pheann  is  dh'  ath 
cheannaicheadh  e  an  iiine,  a'  sgriobhadh  sear- 
moin  air  son  dhaoine  nach  b'  urrainn  a  ghuth 
a  chluinntinn.  Bhiodh  e  a'  searmonachadh 
air  a'  bhlar  na  bu  trice  na  bhiodh  e  a'  sear- 
monachadh ann  an  eaglais  oir  dhiult  moran 
de  mhinistearan  na  h-eaglais  Shasunnaich  a 
leigeil  a  steach  d'  an  cubaidean.  Ach  dhean- 
adh  Iain  Wesley  ciibaid  dha  fein  ann  an  aite 
air  bith  am  faigheadh  e  daoine  a  dh'  eisdeadh 
ris;  ann  an  seomraichean,  ann  an  saibhlean  ; 
air  an  rathad  mhor. 

Bha  na  ceudan  agus  na  miltean  air  an  dus- 
gadh  agus  air  an  iompachadh  fo  shearmoii 
achadh  an  duine  bheannaichte  so.  Chuir  an 
Tighearn  a  sheula  gu  follaiseach  agus  gu 
cumhachdach  air  a  shaothair,  agus  rud  ion- 
gantach  ann  an  suilean  dhaoine  nach  'eil  a' 
creidsinn  ann  an  dusgaidhean  de'n  t-seorsa 
ud,  lean  is  mhair  obair  Wesley,  cha  'n  e 
bliadhna  no  dha  ach  re  a  bheatha  uile,  a  sior 


dhol  air  a  h-aghaidh  ann  an  doigh  shamhach. 

Ach  ged  dh'  eisd  a'  mhor-chuideachd  ris  le 
tlachd  bha  feadhainn  eile  ann  nach  eisdeadh 
ris  idir  ;  daoine  aig  an  robh  barrachd  grain 
air  na  bha  aca  air  Satan.  Bhiodh  iad  sin  a' 
i'euchainn  ri  stad  a  chur  air ;  uair  is  uair 
bha  e  ann  an  cimnart  bhuapa,  aodach  air  a 
stialladh  agus  clachan  is  pluic  air  an  tilgeadh 
air,  ach  bha  gealladh  an  Tighearn  air  a 
choiiiihlionadh  dha  is  thug  e  aithne  d'a  ain- 
glibh  m'a  thimchioll  chum  gu'n  gleidheadh 
iad  e  'n  a  shlighibh  uile. 

A  mach  o'n  eud  dhiadhaidh  a  bha  'n  a 
chridhe  b'e  a'  bhuaidh  shonraichte  eile  a  bu 
chomharraichte  ann  an  Iain  Wesley  an  tiir 
nadurra  a  bha  ann.  Bha  gliocas  an  t-saogh- 
ail so  fein  aige  cho  mhaith  ris  a'  ghliocas  a 
tha  o  shuas.  Cha'n  'eil  mi  an  duil  gu'n  do 
chuir  e  feum  air  dotair  riamh  ;  ged  nach  robh 
e  mor  no  laidir  bha  e  slan  is  fallan  ;  beothail 
is  deas  'n  a  phearsa,  agus  cho  mhaith  air  a' 
chadal  ri  Mghr.  Gladstone.  A  dh'  aindeoin 
gach  curam  agus  ro-churam  a  bha  e  a'  giulan 
cha  do  chain  e  riamh  uair  chadail  air  an 
taillibh. 

An  uair  a  rainig  e  aois  bha  fhalt  cho  geal 
ri  canach  an  t-sleibhe,  is  tha  e  air  a  radh  gu 
robh  maise  agus  cumhachd  na  diadhaidheachd 
cho  soilleir  air  aodann  's  gu'm  biodh  iad  a' 
cur  soluimteachd  agus  eadhon  eagal  ann  an 
cridheachan  dhaoine  aotrum  a  rachadh  do 
na  coinneamhan  aige  a  mhagadh. 

Cleas  dhaoine  eile  aig  a  bheil  moran  ri 
dheanamh,  agus  a  bhios  a'  cur  moran  obair 
as  an  deidh,  cha  robh  Iain  Wesley  uair  air 
bith  'na  chabhaig,  is  cha  mho  a  chuireadh  e 
an  t-each  a  bhiodh  e  a'  marcachd  'n  a  chabh- 
aig. Ach  air  a  shon  sin  bha  e  daonnan  air 
ceann  a  dhleasdanais  aig  a'  mhionaid. 

Bha  e  ochd  is  ceithir  fichead  an  uair  a 
shiubhail  e  ;  seachduin  m'  an  do  chaochail  e 
bha  e  a'  searmonachadh.  Uile  gu  leir  liubh- 
air  €  suas  ri  da  fhichead  mile  searmon,  r\id 
nach  do  rinn   duine  eile  riamh. 

Fad  a'  bheatha  bha  e  a'  gleidheadh  leabhar- 
latha  'n  a  phoca  anns  am  biodh  e  a'  sgriobh- 
adh gach  ni  a  bha  tachairt  air,  na  smuain- 
tean  agus  na  faireachduinnean  a  bhiodh  a 
tighinn  'n  a  chridhe  a  thaobh  nithean  spiora- 
dail,  agus  a  thaobh  nithean  eile  cuideachd. 
Gabhaidh  an  leabhar  sin  ceannach  ann  am 
biith  air  bith  a  bhios  a  reic  leabhraichean, 
agus  is  fhiach  e   a  leughadh. 

Thug  na  leabhraichean  a  sgriobh  e  deich 
mile  fichead  punnd  Sasunnach  a  steach  dha, 
ach  thug  e  seachad  sin  uile  ;  an  uair  a  shiubh- 
ail e  cha  d'  fhag  e  ach  se  fichead  not,  agvis  an 
t-each,  agus  deannan  spainnean.  Ach  dh' 
fhag  e  oighreachd  a  b'  fhearr,  an  eaglais 
Mhethodach,  te  de  na  h-eaglaisean  Prostan- 
ach  as  m6  air  an  t-saoghal. 


1928. 


AONADH  RI  CRIOSD. 

Fanaihh  annamsa,  agus  mdse  annaihhsc. 
— Eoin  XV.  4. 

Ged  tha  na  sgriobturan  uile  tarbhach  a 
chum  teagaisg  agus  a  chum  oilein  ann  am 
fireantachd  tha  cuid  de  'n  Leabhar  Naomh 
as  tarbhaiche  na'n  corr.  Fhuair  na  caibid- 
ealan  so  de  shoisgeul  Eoin,  xiv — xvii,  aite  ann 
an  cridhe  na  h-eaglais  nach  d'  fhuair  lit- 
i-eachas  eile  a  chaidh  riamh  a  sgriobhadh. 
Agus  cha  b'  ionghnadh  ged  fhuair.  Bha  iad 
air  an  hibhaii't  leis  an  Ti  bh&annaichte  a 
labhair  mar  nach  do  labhair  neach  eile  riamh 
agus  aig  an  aon  am  a  bu  sholuimte  'n  a 
bheatha. 

An  uair  a  bha  e  a'  labhairt  r'a  dheisciobuil 
bha  fhios  aig  Criosd  gu  maith  ciod  a  bha 
feitheamh  air;  bha  fhios  aige  nach  b'  fhada 
an  iiine  gus  am  biodh  e  air  a  thoirt  thairis 
do  lamhan  a  naimhdean,  ach  a  dh'  aindeoin 
sin  uile,  bha  a  chridhe  air  a  lionadh  le  sith 
Dhe,  is  chuir  e  seachad  na  h-uairean  deirean- 
nach  d'a  bheatha  a'  misneachadh  a  chair- 
dean  ;  'g  am  misneachadh  ann  am  briathran 
cho  ciuin,  agus  cho  domhain,  agus  cho 
brioghmhor,  's  gu  bheil  iad  mar  aran  na 
beatha  do'n  t-saoghal  gus  an  diugh. 

Am  measg  nithean  eile  a  thubhairt  Criosd 
r'a  dheisciobuil  aig  an  am  ud  tha  Eoin  ag 
innseadh  dhuinn  gu'n  do  leag  e  cudthrom 
sonraichte  air  an  aonadh  a  tha  eadar  e  fein 
agus  a  shluagh  ;  an  ceangal  dliith  a  tha  eadar 
an  eaglais  air  thalamh  agus  Ceann  na  h- 
eaglais  air  neamh-  Fannnihh  annamsa  agus 
mise  annaibhse.  Is  mise  an  fhionain,  is 
sibhse  na.  geugan.  Mise  anntasan,  agus  thusa 
anvAxmsa,  chum  gu'n  deanar  coimhlionta  iad 
ann  an  aon. 

Fhuair  an  smuain  a  tha  anns  na  briathran 
so  greim  cho  laidir  air  inntinn  Eoin  's  gu 
bheil  e  a'  tighinn  thairis  oirre  an  drasd  's'  a 
ris  'na  sgriobhaichean  mar  gu'm  biodh  e  a' 
faotainn  g61ais  agus  togail-cridhe  anabarrach 
ann  a  bhi  beachdachadh  air  an  diomhaireachd 
mhoir  so  mu  Chriosd  agus  mu'n  eaglais. 
Anns  a'  cheud  litir  a  sgriobh  e  tha  an  smuain 
so  a'  tachairt  oirnn  anns  a  h-uile  caibideal — 
An  ti  a  choimhideas  ditheanta-san,  tha  e  a' 
gahhail  cdmhnuidh  ann,  agus  esan  ann-san  : 
agus  le  so  is  aithne  dhuinn  gu  hheil  esan  a' 
fuireach  annainn,  o'n  Spiorad  a  thug  e 
dhuinn. 

Cha'n  'eil  Eoin  'na  onrachd  ann  a  bhi  tea- 
gasg  gu.  bheil  aonadh  cho  dluth  eadar  Criosd 


agus  a  shluagh  's  gu'm  faodar  a  radh  gu  bheil 
esan  anntasan  agus  iadsan  annsan.  Tha  a' 
cheart  theagasg  r'a  fhaotainn  ann  an  lit- 
ricbean  Phoil.  Bha  Eoin  agus  Pol  eu-coltach 
r'a  cheile  an  iomadh  doigh,  ach  air  a'  chilis 
so  tha  iad  a'  labhairt  le  aon  ghuth  ;  tha  Pol 
a'  toirt  seachad  na  fianuis  cheudna  mu'n 
cheangal  a  tha  eadar  an  Tighearn  agus  an 
eaglais. 

Ged  bha  Eoin  agus  Pol  fada  fada  o  cheile 
'n  an  gne  agus  'n  an  oilein  tha  iad  a'  cordadh 
mu'n  teagasg  so  a  chionn  gii'n  d'  61  iad  as  an 
aon  tobar,  agus  gu'n  robh  iad  air  an  soill- 
seachadh  leis  an  aon  solus,  an  solus  agus  an 
gliocas  a  tha  o  shuas.  Cha'n  'eil  iad  a'  toirt 
fianuis  air  bith  dhuinne  ach  mar  fhuair  iad 
fein  an  toiseach  o'n  Tighearna. 

I.  Tha  tri  samhlaidhean  air  an  cleachdadh 
anns  a'  Bhiobull  a  tha  cur  soluis  air  an  aon- 
adh a  tha  eadar  Criosd  agus  creidmhich  ;  is 
iad  sin, 

An  fhionain  agus  na  geugan 
An  corp  agus  na  huill 
Ceangal   a'  phdsaidh. 

Mar  tha  beatha  is  sugh  an  fhionain  a'  sior 
shruthadh  gu  reidh  samhach  a  dh'  ionnsuidh 
gach  geug  is  gucag  is  duilleag  air  a'  chraoibh, 
mar  sin  tha  beatha  is  cumhachd  Chriosd  ag 
oibreachadh  gu  reidh  samhach  anns  an  daoine 
a  tha  air  an  aonadh  ris  le  creideamh  beo. 
Cha'n  fhaicear  agus  cha  chluinnear  am  feur 
a'  fas ;  cha  mho  a  mhothaichear  rioghachd 
Dhe  a'  teachd.  Mar  tha  moran  bhall  anns  a' 
chorp,  cnamhan  is  feithean  is  uilt,  agus  iad 
uile  ag  oibreachadh  gu  h-6rdail  reidh  agus 
air  an  cur  air  ghluasad  leis  an  aon  bheatha, 
mar  sin  tha  an  eaglais  air  thalamh.  Is  e  an 
eaglais  corp  Chriosd,  agus  is  e  Criosd  ceann 
na  h-eaglais  o'm  bheil  an  corp  uile  air  a 
cheangal  gu  ceart,  agus  air  a  dhluthachadh 
tre  an  ni  sin  a  tha  gach  alt  a'  toirt  uaith,  a' 
faghail  fas  cuirp,  chum  gu'm  fas  sinn  suas 
anns  na  h-uile  nithibh  chuige-san.  Tha  staid 
a'  phosaidh,  mar  an  ceudna,  'n  a  shamhladh 
air  a'  cheangal  dhluth  a  tha  eadar  Criosd 
agus  a  shluagh.  Bithidh  an  dithis  'n  an  aon 
fheoil.  Cha  tug  duine  riamh  fuath  d'a 
fheoil  fein,  ach  altrumaidh  agus  eiridnidh  e 
i  eadhon  mar  a  tha  an  Tighearn  a  deanamh 
do'n  eaglais.  Mar  tha  fear  is  bean  'n  an  aon 
fo  chumhachd  graidh,  mar  sin  tha  Criosd 
agus  creidmhich. 

Cha'n  'eil  anns  na  samhlaidhean  so  ach 
oidhirpean   air  cainnt  a  chur    air  flrinn  no 


38 


mar  an 
Tha  e  'n  a  sholus 
Tha  e  an  taohh-a- 
e    an    taobh-a-stigh 


fiosrachadh  spioradail  a  tha  dol  os  cionn  ar 
tuigse. '  Ach  ged  nach  ruig  ar  tuigse  air, 
agus  ged  nach  gabh  e  mineachadh  gu  suilleir 
ann  an  cainnt,  tha  am  fiosrachadh  so  an  da 
chuid  cinnteach  agus  beannaichte  do'n  anam. 
Tha  an  daimh  a  tha  eadar  Criosd  agus  an  t- 
anam  cho  priseil  's  nach  gabh  e  innseadh  no 
mhineachadh  ann  an  aon  fhacal.  Tha  e  'n  a 
hhuachaUl  d'a  shluagh,  ach  tha  e 
ceudna  'n  a  r}yh  orra. 
agus  tha  e  'n  a  aran. 
muigh    dhiubh    ach    tha 

dhiubh  cviideachd.  Tha  iadsan  annsan  agus 
tha  esan  anntasan.  Ach  ged  tha  e  duilich 
cainnt  a  chur  air  fiosrachadh  an  anma  tha  am 
fiosrachadh  sin  fior,  is  dhearbh  daoine  anns 
a  h-uile  linn  gu  bheil  Criosd  cho  dluth  dhaibh 
's  a  bha  e  d'a  dheisciobuil  an  uair  a  bha  e  air 
thalamh.  An  uair  a  tha  am  fiosrachadh  so 
aig  duine  air  lathaireachd  Chriosd  tha  a' 
bheatha  mhaireannach  aige  anns  an  t-seadh 
anns  a  bheil  an  t-abstol  Eoin  a'  cleachdadh 
an  fhacail  sin.  Leis  a'  bheatha  mhaireann- 
aich  tha  Eoin  a'  ciallachadh  roimh-bhlas  de'n 
bheatha  a  tha  ann  an  Criosd  anns  an  t- 
saoghal  so  fein,  agus  cha'n  e  beatha  gun 
chrioch  anns  an  t-saoghal  eile. 

II.  Tha  Criosd  a'  teagasg  gu  bheil  creid- 
mhich  a'  fantuinn  annsan  amhuil  a  tha  esan 
a'  fantuinn  anns  an  Athair.  Tha  an  daimh 
a  tha  eadar  e  fein  agus  a  shluagh  de'n  cheart 
ghne  ris  an  daimh  a  tha  eadar  e  fein  agus 
Athair.  Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  Criosd 
agus  Dia?  Ciod  an  daimh  anns  a  bheil  pear- 
sachan  glormhor  na  Trianaid  a'  seasamh  d'a 
cheile  1  Sin  cuspair  air  nach  h-urrainn 
duine  air  bith  labhairt  ach  le  mor  irioslachd. 
Ach  tha  beagan  soluis  ri  fhaotainn  ann  an 
teagasg  Chriosd.  Thubhairt  e  gu  robh  esan 
agus  an  t- Athair  'n  an  aon  a  chionn  gu'in  hu 
hhiadh  agus  gu'm  hu  dheoch  dha  toil  an 
Athar  a  dheanamh.  Gha.  tdinig  m,i  a  dhean- 
amh  mo  thoil  fein  ach  toil  an  ti  a  chuir  uaith 
mi.  Thug  e  imihlachd  do  lagh  agus  do  thoil 
Dhe;  bha  uigh  aige  ann  an  ruintean  Dhe, 
agus  a  chionn  gu  robh,  bha  aonachd  bhean- 
naichte  eadar  e  fein  agus  Dia  nach  deach- 
aidh  riamh  a  bhriseadh.  Bha  iad  anns  gach 
cuis  a  dh'  aon  inntinn  agus  a  dh'  aon  chridhe, 
agus  a  chionn  gu  robh  iad  aonaiohte  ann 
an  seadh  moralta  bha  iad  aonaiohte  ann  an 
seadh  spioradail.  Tha  a'  cheart  ni  fior  a 
thaobh  Chriosd  agus  a  shluagh.  Gus  am  bi 
an  toil-san  air  a  liibadh  gu  h-iomlan  r'a 
thoil-san  cha  bhi  fiosrachadh  beo  no  buan  aca 
air  an  aonachd  bheannaichte  so  air  a  bheil 
Eoin  a  labhairt,  aonachd  a  thug  d'a  anam 
f6in  sonas  agus  aoibhneas  mor.  An  uair  a 
th6isicheas  creidmhich  air  an  toil  fein,  agus 
am  beachdan  fein,  agus  an   iarrtusan  fein,  a 


chur  an  aghaidh  toil  is  facal  Chriosd  bidh  an 
aonachd  so  air  a  Iniseadh.  Mui-  bheil  iad 
ann  an  s^adli  fior  coltach  ris-san  gu  moralta 
cha  'n  urrainn  iad  a  bhi  aonaiohte  ris  gu 
spioradail.  Mur  dean  iad  a  thoil  cha'n  'eil  iad 
a'  fantuinn  ann.  Ma  choimhideas  sihh  m' 
diheantan,  fanaidh  sihh  ann  am,  ghradh 
mar  a  choimhead  mise  aitheantan  m"  Athar 
agus  a  tha  mi  fantuinn  'na  ghradh. 
Ach  ged  tha  e  fior  gur  e  iadsan  a  mhain  a  ni 
toil  Chriosd  a  dh'  fhanas  ann,  tha  e  fior  mar 
an  ceudna.  gur  e  iadsan  anns  a  bheil  esan  a' 
fantuinn  as  urrainn  a  thoil  a  dheanamh.  Is 
e  sin  r'a  radh,  is  e  Criosd,  an  da  chuid,  a' 
bheatha  agus  an  toradh. 

III.  Ciamar  a  ruigeas  sinn  air  an  aonadh 
tharbhach   so?        Anns    an    t-seathamh    rann 
deug  de'n  chaibideil  so  tha  Eoin  ag  radh  nach 
ann  o  ar  taobh-ne  idir  a  tha  e  a'  toiseachadh 
ach  o    thaobh   Chriosd.     Gha  sihhse  a  thagh 
mise  ach  mise  a  thagh   sihhse,    agus  dh'   dr- 
duich   mi    sihh  a   chum  gu'n   tugadh   sihh  a 
much    toradh.      Is    e    sin    aon    taobh      de'n 
fhirinn,  ach  tha  taobh  eile  oirre.     An  uair  a 
tha   Criosd   ag    radh  Fanaihh  annamsa,    tha 
sin    a'  ciallachadh  gu'm  feum   toil  an  duine 
gluasad  cho  mhaith  r'a  thoil-san  m'  an  gabh 
an  t-aonadh  so  deanamh.     Tha  e  fior  gur  ann 
ann  an  cridhe  Dhe  a  tha  obair  ghrais  a'  tois- 
eachadh an    toiseaoh    adh    feumaidh    toil    an 
duine  comh-oibreachadh  maille  ri  Dia.     Ged 
is  e  a  ghradh  fein,  agus  a  thruacantaohd  fein, 
agus   a   chaomhalaohd    fein,    a   tha   toirt   air 
Criosd  ar  Slanuighear  sinne  a  ghairm  thuige 
fein    idir,    cha'n    fhan    e  maille   ruinn    mur 
bheil  sinn  toileach  dealachadh  ri^s  gach  ni  a 
tha  an  aghaidh  inntinn-san.     Feuch,  tha  mi 
a'm^  sheasamh  aig  an  dorus  agus  a'  hualadh  : 
nia  dh'  eisdeas  neach  sam  hith  ri  m.'  ghuth, 
agus  gu^m    fosgail    e   an   dorus,    thig    mi  a 
steach  d'a  ionnsiiidh,  agus  gahhaidh  mi  mo 
shuipear  maille  ris  agus  esan  maille  rium-sa. 
Tha  Criosd  a'  tighinn  trio  a  dh'  ionnsuidh 
ar    doruis,    'g   a  thairgsinn   fein    mar   aoidh 
ach  tha  sinne  'g  a  leigeil  air  falbh  a.  chionn 
gni  bheil    aoidhean  eile    a  stigh   ris  nach  bu 
mhaith  leinn  dealachadh,    agus   a  chionn  gu 
bheil   fhios  againn  nach  b'  urrainn  cordadh 
a  bhi    eadar    esan    agus    na    h-aoidhean    sin. 
Cha'n  'eil  an  t-aon  ar  fhearr  againn  ann-san 
fad  an  la  agus  fad  na  h-oidhche ;  cha'n  'eil 
sinn    a'    fantuinn    ann    ach   greis  bheag   an 
drasd  's  a  ris.      Sin  an  t-aobhar  nach  aithne 
dhuinn  an  lanachd  snlais  a  b'  aithne  do  Eoin. 
Ach  tha  gealladh  Chriosd  seasmhaoh,  agus 
is  e  so  a  ghealladh  Ma  ghradhaicheas  neach 
■mise,    grddhairidh     ?»'   Athair    e,    agtis    thig 
sinn  'g  a   ionnsvidh    agus  ni  sinn  ar  cdmh~ 
nuidh  maille  ris. 


39 


ANNS  A  CHATHAIR. 

Tlia  leabluir  wwiraiolite  aiu  measg  iiiu 
leabhraichean  air  nach  do  sheall  mi  o  chionn 
ioniadh  bliadhna  gus  an  tug  mi  nios  o'n 
sgeilp  e  an  de.  Bha  e  air  a  sgriobhadli  (ann 
am  pairt)  leis  an  OUamh  ionnsaichte,  P.  G. 
Tait,  a  b'  abhaist  a  bhi  'n  a  fhear-teagaisg 
an  Oilthigh  Dhuneideann.  Shuidh  mise 
aig  casan  an  dnine  sin  an  uair  a  bha  mi  anns 
a'  ChoUaiste,  aeh  tha  eagal  orm  nach  do  thog 
mi  ach  gle  bheag  de'n  sbruileach  a  bha  tuit- 
eam  o'n  bhord  aige-  Ach  bha  an  t-uisge  ann 
fad  an  la  an  de  is  thug  mi  lamh  air  an 
leabhar  so  a  dh'  fheuchainn  an  robh  a' 
chuimhne  a  bha  agam  air  oeart. 

B'e  a'  chuimhne  a  bha  agam  air  nach  b' 
urrainn  mi  dad  dheth  a  thuigsinn,  agus  ged 
is  narach  an  rud  e  r'a  aideachadh  bha  mo 
chuimhne  ceart,  oir  chunnaic  mi  ann  an 
deich  mionaidean  nach  deanainn  na  bu  mho 
dheth  an  diugh  ach  na  bu  lugha  na  dhean- 
ainn  an  uair  a  bha  mi  anns  a'  ChoUaiste. 
Ach  feumaidh  gu'n  d'  fhuair  daoine  eile  an 
leabhar  ud  a  sgriobh  Thomson  agus  Tait  cho 
dorcha  duilich  'sa  fhuair  mise  e,  oir  sgriobh 
aon  de  na  h-oileanaich  an  Duneideann  na 
facail  so  air  a'  cheud  duilleig  dheth  ;  Geud 
sheall adh  an  oileanaich  air  ifreann. 

Ach  raur  do  rinn  e  la  a  bhuain  a'  choirce 
rinn  e  la  a  bhuain  nan  cno ;  chuir  an  leabhai- 
ud  mi  gu  leabhar  eile  a  bha  dluth  dha  air  an 
sgeilp,  an  leabhar  a  bha  air  a  sgriobhadh  mu 
Shir  Uilleam  Thomson  le  nighean  a  pheathar. 
Is  e  am  Morair  Kelvin  an  t-ainm  leis  a  bheil 
Uilleam  Thomson  air  ainmeachadh  air  feadh 
an  t-saoghail  an  diugh  ;  sgoilear  a  bha  cho 
comharraichte  ann  an  irioslachd  ',s  a  bha  e 
barraichte   ann  an  eolas. 

A  reir  beul-aithris  nan  oileanach  bha  e  am 
beachd  na  dithis  ud  (Tait  agus  Thomson)  tri 
no  ceithir  de  leabhraichean  a  chur  a  mach  ann 
am  paii't ;  leabhraichean  a  dh'  fhosgladh  dor- 
san  do  oileanaich  na  h-Alba  a  steach  do 
I'loghachdan  diomhair  an  eolais  a  bha  aca 
fein.  Ach  ma's  fior  an  naigheachd,  chuir 
iad  a  mach  air  a  cheile  m'  an  d'  fhuair  iad 
ach  aon  fhear  de  na  leabhraichean  duilich 
sin  a  sgriobhadh.  Agus  bhiodh  na  h-oilean- 
aich ag  radh  gur  e  freasdal  caomh  Ni-maith 
a  chuir  eatorra  m'  an  d'  fhuair  iad  an  con- 
a   dheanamh. 

Ma  bu  mhaith  le  parantan  air  bith  an 
smuain  agus  an  fhaireachduinn  a  chur  an 
cridheaehan  an  cloinne,  gu  bheil  barrachd 
sonais  ri  fhaotainn  an  toir  air  eolas  na  tha  ri 
fhaotainn  an  toir  air  toil-inntinn,  ehomh- 
airlichinn  dhaibh  beatha  a'  Mhorair  Kelvin 
le  Agnes  Gardner  King  a  thoirt  daibh.      Cha 


chosd    an    leabhar    dhaibh    ach    seachd    is   se 
sgillinn. 

Bha  e  duthchasach  do  Uilleam  Thomsun  a 
bhi  'n  a  sgoilear,  is  bha  e  'n  a  sgoilear  cho 
maith  's  gu  robh  e  air  a  chur  ann  an  te  de 
na  caithrichean-teagaisg  an  Oilthigh  Ghlas- 
chu  m'  an  robh  e  ach  da  bhliadhna  air  fhich- 
ead,  agus  e  cheana  an  deidh  gach  oiioir  a 
chosnadh  ann  an  Cambridge  a  b'  urrainn  a 
leithid  a  chosnadh.  Theagaisg  e  fad  corr  is 
leth-cheud  bliadhna  an  Glaschu  ;  bliadhnachan 
anns  an  d'  fhuaradh  a  mach  barrachd  de 
nithean  ui-a  agus  de  fheartan  diomhair  a' 
chruthachaidh,  teine-adhair,  is  teas,  is  fuaim, 
is  solus,  is  cursa  nan  reultan,  na  fhuaradh  a 
mach  ann  an  linn  air  bith  eile  ann  an  each- 
draidh  an  t-saoghail.  B'e  an  talant  shon- 
raichte  a  bha  aig  Kelvin  gu  robh  ealadhain 
anabarrach  aige  air  gach  seorsa  de'n  eolas  iir 
sin  a  chur  gu  feum  a'  chinne-daonna ;  inn- 
ealan  a  dheanamh  a  ghabhadh  uisneachadh 
ann  am  bataichean,  ann  am  beairtean,  ann 
am  muillean,   ann  an  tuill-ghuail. 

Bha  e  'n  a  dhuine  diadhaidh  ;  anns  an  Oil- 
thigh bha  obair  an  latha  a'  toiseachadh 
daonnan  le  iirnuigh  is  bha  e  'n  a  chleachdadh 
aige  dol  do'n  eaglais  a  h-uile  Sabaid.  B' 
ann  do'n  eaglais  Shasunnaich  a  bhuineadh  e 
ach  air  uairean  bhiodh  e  a'  dol  a  dh'  eaglais- 
ean  eile. 

Cha  do  chain  e  riamh  cridhe  a'  phaisde  a. 
thug  Dia  dha  air  tiis ;  an  lathair  feartan 
diomhair  a'  chruthachaidh  agus  riiintean 
diomhair  Dhe  bha  e  a'  cromadh  a  chinn  le 
urram  is  irioslachd  is  ionghnadh.  Ged  bhios 
luchd-ealadhain  eile  ag  innseadh  dhuinn  air 
uairean  nach  eile  dearbhadh  air  bith  ri 
fhaicinn  no  ri  fhaotainn  anns  a'  chriithach- 
adh  gu  bheil  Dia  ann  thubhairt  Kelvin  "ma 
smuainicheas  duine  air  obair  Naduir  fada  gu 
leoir  bidh  e  air  a  cho-eigneachadh  gu  bhi 
creidsinn  ann  an  Dia,  agus  is  e  creideamh 
ann  an  Dia  clach-steidh  na  diadhaidheachd." 

Bha  e  gaolach  air  cloinn  agus  air  coin, 
agus  air  creutairean  beaga  de  'n  uile  seorsa. 
Cha  robh  solas  a  b'  fhearr  leis  na  bhi  a' 
gabhail  sraid  air  an  diithaich  le  cii  a  bha 
aige-  Ach  mhill  na  caraichean  an  solas  sin 
air.  Bha  grain  eagallach  aige  orra,  ged  tha 
amharus  agam  gu  bheil  cuid  de  na  h-inn- 
leachdan  aige  fein  air  an  uisneachadh  annta. 

Anns  an  t-saoghal  so  fein  fhuair  e  duals 
nan  daoine  macanta ;  shealbhaich  e  an  talamh 
mar  oighreachd.  Fhuair  e  gach  urram  is 
onoir  a  b'  urrainn  Oilthighean  na  Roinn- 
Eorpa  a  thoirt  dha  ;  ochd  fichead  medal  no 
crois.  Lean  e  air  obair  gus  an  robh  e  os 
cionn  ceithir  fichead ;  'n  a  sheann  aois  bha 
inntinn  cho  soilleir  agus  cho  laidir  's    a  bha 


40 


i  'n  a  oige.  Tha  e  air  a  thiodhlacadli 
laimli  ri  Sir  Isaac  Newtuii  aim  an  West- 
luiiaster. 


AIG  A   CHEANN  CHEARR. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  ag  eisdeactid  ri 
soisgeulaiche  a'  labhairt  ri  cloinn ;  clann  a 
bha  air  an  togail  ann  an  dachaidhean  diadh- 
aidh — a'  mhor-chuideachd  dhiubh  co  dhiii — 
agus  a  bha  air  an  teagasg  gu  curamach  anns 
an  sgqil-Shabaid.  Bha  iad  eadar  se  bliadh- 
na  agus  coig  bliadhna  deug  a  dh'  aois ;  fhuair 
an  soisgeulaiche  ud  cothrom  air  labhairt  riu 
a  chionn  gii  robh  coinneamhan  soisgeulach  a' 
del  air  an  aghaidh  anns  an  sgireachd  aig  an 
am. 

Theagamh  nach  'eil  e  ceart  a  bhi  cur  bais 
is  beatha  air  beulaobh  phaisdean  aig  se 
bliadhna  a  dh'  aois,  no  eadhon  aig  deich, 
anns  an  t-seadh  anns  am  bi  soisgeulaichean 
a'  cleachdadh  nam  briathran  sin,  ach  an  uair 
a  ruigeas  clann  dha  dheug  no  tri  deug  tha 
iad  sean  gu  leor  agus  turail  gu  leor  gus  rogh- 
ainn  a  dheanamh  de  Chriosd  le  gniomh  an 
toile  fein.  Agus  tha  e  ceart  gu'm  biodh  cud- 
throm  an  taghaidh  sin  air  a  chur  air  an 
guaillean,  agus  gu'm  biodh  e  air  iarraidh 
orna  gabhail  ri  tairgse   an  t-soisgeil. 

Ach  an  uair  a  thoisich  an  soisgeulaiche  iid 
air  labhairt  ris  a'  chloinn  cha  b'  ann  le  maise 
Chriosd  a  dh'  fheuch  e  ri  an  toil  a  lubadh  ach 
le  eagal  if r inn.  An  drasd  's  a  ris  theireadh 
e  riu,  C"  arte  am  hifheadh  alhh  na'n  tigeadh 
am  hrU  thiigaihh  a  7}nch(l'>,  hhitheadh  anns  an 
loch  theine. 

Chuir  searmonachadh  an  duine  goirisinn 
air  m'  fheoil,  agus  theab  mi  eirigh  agus  a 
radh  ris  a'  chloinn  gun  geill  sam  bith  a  thoirt 
da.  Ach  cha  robh  ughdarras  agam  sin  a 
dheanamh,  agus  dh'  fhan  mi  'n  am  thosd, 
ach  fad  na  h-uine  bha  an  da  rud  so  'n  am 
chridhe,  (1)  Nach  dubhairt  Dia  an  rud  a 
thubhairt  esan,  agus  (2)  Nach  b'  ann  mar  sud 
a  labhradh   Criosd  ris  na  paisdean. 

Le  sealltuinn  air  an  duine  cha  robh  comh- 
arradh  follaiseach  ri  fhaicinn  air  gu'n  do 
smachdaich  e  riamh  fheoil  fein,  no  gu'n  d' 
oileanaich  e  riamh  inntinn,  no  gu  robh 
tomhas  air  bith  aice  de'n  ghliocas  a  tha  o 
shuas.  Ach  air  a  shon  sin  bha  e  a'  bruidhinn 
mar  gu'm  b'  aithne  dha  inntinn  Dhe  agus 
ruintean  Dhe  cho  cinnteach  's  is  aithne 
dhomhsa  na  litrichean  a  tha  mi  a'  sgriobh- 
adh  leis  a'  pheann.  Bha  e  cinnteach  gu  robh 
e  fein  a'  dol  do  nfeamh  agus  gu  robh  a' 
chlann  ud  a'  dol  do  theine  siorruidh.  Ach 
an  uair  a  sheallainn  air  aodainn  neochion- 
tach  na  cloinne  agus  a  sheallainn  a  ris  air  a' 


bhru  mhoir  a  bha  air  an  fhear  a  bha  maoidh- 
eadh  if'rinn  orra  bha  teaganih  a'  tighinn  'n 
am  inntinn  nach  robh  fhios  aig  an  duine 
ciod  a  bha  e  ag  radh 

Do'n  mh(Sr-chuideachd  de  na  daoine  a  bhios 
a'  cur  eagal  ifrinn  air  daoine  eile  'n  an  tea- 
gasg cha'n  'eil  anns  an  fhacal  ifreann  ach 
facal  fhein  ;  tha  iad  ag  aithris  rud-eigin  a 
chual  iad  le  eisdeachd  'n  a  cluaise  ach  air 
nach  do  bheachd-smuainich  iad  riamh  gu 
ceart-  Bha  a'  bhru  a  bha  air  an  duine  ud 
'n  a  chomharradh  gu  robh  a  bhiadh  a'  dol 
gu  maith  dha ;  gu'm  biodh  e  a'  gabhail  cuid 
mhaith  dheth,  agus  a'  faotainn  cadal  fada  'n 
a  dheidh,  a  dh'  aindeoin  nan  uamhasan  a 
bha  e  a'  searmonachadh  agus  an  Dia  leibid- 
each  anns  an  robh  e  a'  creidsinn. 

Uair-eigin  de'n  t-saoghal  bhiodh  e  a'  cur 
barrachd  dragha  ormsa  na  chuireas  e  an 
diugh  a  bhi  cluinntinn  teagaisg  ris  an  abrainn 
teagasg  cearr  'g  a  thoirt  do  chloinn  no  do 
dhaoine  mora.  Is  e  an  t-aobhar  nach  cuir  e 
uiread  dragha  orm  a  nis  gu  bheil  fiosrachadh 
mo  bheatha  ag  innseadh  dhomh  gu  bheil 
cumhachd  dhlomhair  air  chor-eigin  ann  an 
inntinnean  dhaoine  a  tha  'g  an  dion  o  thea- 
gasg  a  dh'  fhaodadh  cron  a  dheanamh  dhaibh. 
Tuitidh  e  bharr  an  inntinnean  mar  a 
thuiteas  an  t-uisge  bharr  nan  tunnagan. 

Duine  air  bith  a  thoisicheas  air  tairgse  an 
t-soisgeil  a  chur  air  beulaobh  dhaoine  le  eagal 
ifrinn  a  chur  orra,  no  a  tha  an  duil  gu'n  aom 
e  cridheachan  is  toil  a  cho-chreutairean  gu 
Dia  le  bhi  a'  glaodhach  'n  an  cluasan  mar 
gii'm  biodh  piorraid,  C'dite  am  hitheadh 
sihh  na' 77  tigeadh  am,  has  thugaihh  a  nochdl, 
sin  agad  duine  a  tha  toiseachadh  aig  a' 
cheann  chearr. 

An  diadhaidheachd  a  tha  toiseachadh  anns 
an  eagal,  theid  i  air  a  h-aghaidh  anns  an 
eagal,  agus  criochnaichidh  i  anns  an  eagal, 
agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  is  e  so  a 
toradh,  A  Thighearna  hha  fhios  agam  gur 
duine  c7-uaid,h  tMi,  agus  air  dhomh  a  hhi  jo 
eagal  chaidh  mi  agus  dh'  fholaich  mi  do 
thalan77  anns  a??  ialamh.  Ghin  an  t-eagal 
an  leisg,  agus  ghin  an  leisg  am  bas. 

Tha  ceann  ceart  air  gach  ciiis  cho  mhaith 
ri  ceann  cearr,  agus  theirinn  gur  e  an  ceann 
ceart  de'n  t-soisgeul  toiseachadh  aig  maise 
agus  uaisle  Dhe  ris  a  bheil  ar  gnothuch,  agus 
maise  agus  uaisle  na  beatha  dhiadhaidh  a  dh' 
fhoillsich  e  dhuinn  ann  an  Criosd  a  dh'  ionn- 
suidh  a  bheil  e  'g  ar  gairm.  An  uair  a  tha 
soisgeulaiche  a'  cur  impidh  air  daoine  sud 
no  SO'  a  dheanamh  air  eagal  gu'n  cuir  Dia 
ann  an  teine  iad  tha  e  a'  deanamh  da  rud 
nach  'eil  maith  ;  tha  e  a'  toirt  cliii  leibideach 
air  Dia  ag'us  a'  gabhail  beachd  leibideach  air 
nadur  mhic  an  duine. 


Air     11. 


URNUIGHEAN  AN  FHIREIN. 

Ach  air  mo  shon-sa,  nar  leigeadh  Dia  gu'm 
peacaichinn  an  aghaidh  lehohhah,  le  sgur  a' 
dh'  iimuigh  air  hhur  son. — 1  Samuel,  xii, 
23. 

Co  againn  aig  a  bheil  cridhe  no  coguis  cho 
maoth  's  gu'n  saoileamaid  gu'm  biodh  e  'n 
a  pheacadh,  cha'n  e  mhain  an  aghaidh  ar 
cairdean  ach  an  aghaidh  lehohhah,  na'n 
sguireamaid  a  dh'  urnuigh  air  an  son?  Is 
6  an  fhirinn  nach  do  thoisich  sinn  air  ur- 
nuigh air  an  son.  Mur  do  th6isich,  bu 
choir  gu'n  cuireadh  am  facal  so  naire  oirnn 
gach  viair  a  leughas  sinn  e  anns  a'  BhiobuU, 
"nar  leigeadh  Dia,  gu'm  peacaichinn  an 
aghaidh  lehobhah  le  sgur  a  dh'  urnuigh  air 
bhur  son." 

So  am  facal  a  labhair  Samuel  ri  sluagh  Is- 
raeil  an  uair  a  leig  e  dheth  a  dhreuchd.  Fad 
bhiiadhnachan  bha  e  'n  a  aodhair  agus  'n  a 
bhreitheamh  'n  am  measg,  air  a  shuidheach- 
adh  OS  an  cionn  le  Dia,  ach  dh'  fhas  iad 
sgith  dheth,  is  dh'  iarr  iad  righ  a  chur 
thairis  orra.  Ghoirtich  sin  Samuel,  oir  cha 
toigh  le  duine  air  bith  gu'n  tionndadh 
sluagh  an  cul  ris  a  dhol  as  deidh  ceann-iuil 
no  uachdaran  eile.  Ach  ma  ghoirtich,  cha 
do  nochd  e  sin  ann  an  doigh  chearr  air  bith, 
is  cha  do  riun  e  gearan  no  caineadh.  An 
aite  saoibhneas  a  ghabhail,  no'  olc  air  bith 
a  mhaoidheadh  orra,  is  ann  a  thubhairt  e, 
"Nar  leigeadh  Dia  gu'm  peacaichinn  an 
aghaidh  lehobhah,  le  sgur  a  dh'  iirnuigh  air 
bhur  son." 

Ann  an  seadh  fior  nochd  Samuel  spiorad 
Chriosd  roimh  la  Chriosd,  oir  rinn  e  urnuigh 
air  son  dhaoine  a  rinn  cron  air.  Sin  rud 
nach  'eil  furasd  a  dheanamh,  ach  air  a  shon 
sin  tha  e  mar  fhiachaibh  orra-san  a  tha  ag 
aideachadh  Chriosd  :  Tha  mise  ag  radh 
ruibh,  "  Bitheadh  gradh  agaibh  do  'ur 
naimhdean,  agus  deanaibh  urnuigh  air  an 
son-san  a  tha  'g  'ur  geur-Ieanmhuinn."  Sin 
an  airde  a  dh'  ionnsuidh  a  bheil  Criosd  a' 
gairm  a  shiuaigh. 

TJile  laithean  a  bheatha  bha  oomharraidh- 
ean  follaiseach  na  diadhaidheachd  ri  fhaic- 
inn  air  aodann  Shamuel,  ach  anns  na  bliadh- 
nachan  mu  dheireadh  bha  e  a'  giulan  coslas 
an  Tighearn  losa  fein  air  a  ghnuis.  Shar- 
uicheadh  e  is  lotadh  e  is  rinneadh  ainneart 
air,  gidheadh  cha  d'  fhosgail  e  a  bheul. 
Rinn  an  sluagh  tair  is  dlmeas  air,  ach  rinn 
esan  eadar-ghuidhe  air  an  sonrsan,  "  Nar 
leigeadh  Dia  gu'm   peacaichinn  an    aghaidh 


1928. 


lehobhah,   le  sgur   a    dh'   urnuigh    air  bhur 
son." 

Bho  thoiseach  an  t-saoghail  bha  e  'n  a 
chleachdadh  aig  daoine  diadhaidh  a  bhi  ag 
urnuigh  air  son  an  cairdean  agus  air  son  an 
coimhearsnach,  agus  ged  nach  biodh  lagh  an 
Tighearn  ag  iarraidh  oirnn  idir  eadar- 
ghuidhe  a  dheanamh  air  son  ar  cairdean  tha 
ni-eigin  annainn  fein  a  chomh-eignicheadh 
sinn  gus  a  dheanamh.  Theagamh  gu'n  do 
rinn  urnuighean  Shamuel  barrachd  feum  do 
Israel  na  rinn  a  riaghladh,  oir  tha  m6r- 
chumhachd  ann  an  urnuigh  eifeachdach  an 
fhirein. 

Cha  robh  Epaphras  air  a  chunntas  'na 
dhuine  cho  comasach  ri  Apollos  anns  an 
eaglais,  ach  bhiodh  e  a'  deanamh  eadar- 
ghuidhe  gu  trie  agus  gu  durachdach  as  leth 
nan  cinneach  a  bha  air  an  iompachadh  le 
soisgeulaichean  eile,  agus  theagamh  gu  robh. 
urnuighean  Epaphrais  cho  buannachdail  do 
obair  an  t-soisgeil  's  a  bha  searmonachadh 
Apollois.  Bha  meas  mor  aig  Pol  air  Epaph- 
ras. 

An  uair  a  bha  an  t-Easbuig  Lancelot  An- 
drews 'na  oileanach  6g  ann  an  Cambridge  b'e 
fear  de  na  companaich  a  bha  aige  Francis 
Bacon,  duine  a  dh'  eirich  gu  bhi  'n  a  cheann 
air  Tigh  nam  Morairean.  Thug  Dia  ean- 
chainn  do'n  Mhorair  Bacon  nach  tug  e  ach 
do  thriuir  no  do  cheathrar  dhaoine  eile 
riamh,  eanchainn  anns  an  robh  solus  glan  a' 
dearrsadh  ann  an  coinnleir  6ir.  Ach  bha 
eanchainn  Bhacoin  na  b'  fhearr  na  choguis ; 
pheacaich  e  is  thuit  e  o'n  inbhe  ard  a  rainig 
e,  agus  b'  fheudar  d'a  sheana  chompanach, 
Lancelot  Andrews,  suidhe  ann  am  breith- 
eanas  air.  Sin  rud  a  tha  gle  chruaidh, 
duine  a  bhi  an  cathair-breitheanais  agus  a 
charaid  air  a  bheulaobh.  Agus  gu  la  a 
bhais  bha  naire  agus  aithreachas  air  an  Eas- 
buig  Andrews  nach  robh  e  ag  urnuigh  air  son 
a  chompanaich.  Bhiodh  e  air  uairean  a' 
gabhail  a  dhinnearach  comhla  ris,  agus 
bhiodh  iad  a'  sgriobhadh  gu  cheile,  ach  cha 
tainig  e  ann  an  cricJhe  an  Easbuig*  gu'm  bu 
ch6ir  dha  a  bhi  a'  cuimhneachadh  air  a  cha- 
raid aig  cathair-grais  agus  ag  -urnuigh  air  a 
shon  'na  dhreuchd  ard. 

Ach  cha  do  dhichuimhnich  Samuel  a  chair- 
dean  no  a  chompanaich,  "Nar  leigeadh  Dia, 
ars'  esan,  "gu'm  peacaichinn  an  aghaidh 
lehobhah,  le  sgur  a  dh'  urnuigh  air  bhur 
son-"  Cha  ghniomh  caraid  e,  aran  duine 
itheadh  aig  a  bhord,  agus  toilinntinn  fhaot- 
ainn  bho  a  chompanas,  agus  bho  a  sheanchas, 


42 


agus  bho  a  dhibhearsoin,  ach  gun  uiread  agus 
aon  athchuinge  a  chuir  suas  gu  Dia  as  a  leth. 
Rannsaich  do  choguis,  a  leughadair,  agus 
feoraich  dhiot  fein  cia  meud  caraid  a  tha  thu 
a'  peacachadh  'n  an  aghaidh  anns  an  doigh 
so,  a  thuilleadh  air  gur  peacadh  e  an 
aghaidh  lehobhah. 

Trie  gu  leoir  tha  sinn  a'  faicinn  cairdean  is 
companaich  air  a  bheil  gaol  againn  a'  tuit- 
eam  air  falbh  o  Dhia  agus  o  chomunn  a 
shluaigh  a  chionn  gu  bheil  droch  chleachdanna 
a'  faotainn  buaidh  orra  agus  lamh-an-uach- 
dar  ;  ach  an  uair  a  thachras  an  rud  bronach 
sin  thigeadh  e  dhuinn  sinn  fein  a  cheasnach- 
adh,  agus  fheoraich  dhinn  fein  an  do  rinn 
sinn  urnuigh  riamh  air  an  son.  Mur  do  rinn, 
an  urrainn  duinn  a  radh  gu  bheil  sinn  gun 
chionta,  no  nach  do  pheacaich  sinn  an 
aghaidh  lehobhah,  no  an  aghaidh  ar  caraid. 

Sibhse  gu  sonraichte  a  tha  'n  'ur  parantan 
an  do  phe.acaich  sibh  an  aghaidh  lehobhah, 
le  sgur  a  dh'  urnuigh  air  son  'ur  cloinnCf 
No  an  do  thoisich  sibh  riamh?  Is  culaidh- 
thruais  clann  air  bith  nach  fhaca  riamh  an 
Athair  no  am  mathair  air  an  gluinean  ag  ur- 
nuigh ri  Dia  air  an  son.  Am  paisde  nach 
fhaca  sin  riamh,  tha  e  a'  fulang  calldachd 
nach  gabh  tomhas,  oir  is  e  urnuighean  ar 
parantan  comhla  ruinn  agus  air  ar  son  an 
aon  chuimhne  as  beannaichte  as  urrainn  a  bhi 
againn;  cuimhne  a  tha  mar  acair  do'n  anam, 
'g  a  cheangal  ri  Dia. 


SADHU  SUNDAR  SINGH. 

C  aite  a  bheil  na  daoine  as  diadhaidhe  ri 
fhaotainn  an  diugh?  Tha  mi  an  duil  gu 
bheil  anns  na  h-Innsibh  an  Ear.  Tha  an 
diadhaidheachd  nadurra  do'n  aird  an  Ear ; 
na'n  tigeadh  Criosd  air  ais  do'n  t-saoghal 
an  diugh  agus  gun  fhios  c6  e,  bhiodh  barrachd 
meas  air  anns  na  h-Innsibh  an  Ear  na  bhiodh 
air  ann     an  Duneideann. 

An  Lunnainn  no  an  Duneideann  tha  meas 
aca  air  daoine  mora ;  daoine  aig  a  bheil  gloir 
is  maoin  is  greadhnachas  an  t-saoghail  so, 
agus  cha'n  'eil  meas  idir  aca  air  daoine  aig 
nach  'eil  aite  anns  an  leag  iad  an  ceann.  Ach 
anns  an  aird  an  Ear  tha  meas  aca  fhathast 
air  daoine  aig  nach  'eil  inbhe  no  ionmhas 
anns  an  t-saoghal  so  ma  tha  a  choslas  orra  gu 
bheil  iad  a'  smachdachadh  na  fe61a.  Sin  na 
daoine  d'an  toirear  urram  anns  an  aird  an 
Ear,  daoine  a  thionndas  an  cul  ris  an  t- 
saoghal,  agus  ri  gloir  an  t-saoghail,  agus  ri 
toilinntinn  an  t-saoghail  chum  an  fheoil  a 
chiosnachadh  agus  co-chomunn  gun  sgur  a 
bhi  aca  ri  Dia. 


Bu  mhaith  learn  anns  an  aireamh  so  iom- 
radh  a  dheanamh  air  fear  de  na  daoine  sin 
Sadhu   Sundar  Singh. 

Tha  am  facal  Sadhu  a'  ciallachadh  duine 
naomh  ;  duine  nach  'eil  'n  a  shagairt  ach  a 
tha  a'  sonrachadh  le  a  shaor  thoil  fein  gun 
ni  air  thalamh  iarraidh  ach  a  mhain  buaidh 
air  an  t-saoghal  agus  air  an  fheoil.  Bho 
'oige  tha  an  Sadhu  'g  a  choisrigeadh  fein  do 
bheatha  na  diadhaidheachd;  a'  briseadh  gaoh 
bann  a  tha  'g  a  cheangal  r^a  theaghlach  no 
ri  obair  an  t-saoghail ;  a'  cur  ciil  ri  gaol 
bhan  is  posadh  is  curam  teaghlaich,  agus  'g 
a  thabhairt  fein  gu  buileach  gus  cruadhas  is 
fuachd  is  acras  fhulang  air  ghaol  an  fheoil  a 
smachdachadh. 

Tha  na  miltean  de'n  t-se6rsa  dhaoine  sin 
anns  na  h-Innsibh  an  Ear ;  cuid  dhiubh 
maith  is  cuid  dhuibh  nach  'eil  maith  idir, 
ach  ged  nach  urrainnear  na  cleachdanna 
aca  a  mholadh  aii'  fad  tha  iad  a'  cumail 
cuimhne  air  aon  fhirinn  shonraichte  nach 
coir  do  Chi-iosduidh  air  bith  a  dhichuimh- 
neachadh,  an  fhirinn  so,  gu'm  feum  neach 
air  bith  a  theid  a  steach  do  rioghachd  Dhe 
e  fein  aicheadh. 

Rugadh  Sundar  Singh  anns  a'  bhliadhna 
1889.  Bha  athair  'n  a  uachdaran  fearainn 
agus  gu  maith  air  a  dhoigh  ;  ann  an  laithean 
oige  bha  e  air  a  thogail  ann  an  sogh  is  comh- 
fhurtachd.  An  uair  a  bha  e  se  bliadhna 
deug  bha  e  air  iompachadh  is  choisrig  e  a 
bheatha  do  sheirbhis  Chriosd.  Bha  e  searbh 
gu  leoir  le  athair  agus  le  chairdean  gu'n  do 
thionndaidh  e  air  falbh  o  chreideamh  aith- 
richean,  ach  an  uair  a  chual  iad  gu  robh  e  a 
dol  'n  a  Shadhii'  Crinaduidh,  no  'na  shois- 
geulaiche  gun  dachaidh,  shaoil  iad  gu  robh  e 
air  a  chiall  a  chall. 

Cha  ghabh  e  innseadh  na  dh'  fhuiling  am 
balach  og  so  ann  an  tigh  athair  an  uair  a 
thoisich  e  air  gairm  Chriosd  a  fhreagairt. 
Tha  rnoran  de  na  briathran  a  bhios  sinn  a' 
leughadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  nach  'eil 
a'  ciallachadh  dad  dhuinn,  a  chionn  nach 
aithne  dhuinn  na  deuchainnean  a  dh'  fhuiling 
na  ceud  Chriosduidhean,  briathran  mar  so, 
hithidh  fuath  aig  na  h-uile  dhaoine  dhtiihh  air 
sgath  m'  ainme-sa,  ach  b'  aithne  do  Shundar 
Singh  ciod  a  bha  iad  a'  ciallachadh  oir 
thionndaidh  a  dhaoine  fein  uile  'n  a  aghaidh 
mar  dhuine  a  thug  naire  is  masladh  air  a 
theaghlach.  Mu  dheireadh  chuir  iad  a  mach 
e  mar  gu'm  biodh  cu. 

Bha  e  duilich  dha  dealachadh  ri  theagh- 
lach agus  ri  gnaths  a  dhaoine  ach  aon  uair 
's  'g  an  do  rinn  e  suas  inntinn  masladh  is 
geur-leanmhuinn  fhulang  air  sgath  Chriosd, 
bha  a  chridhe  air  a  lionadh  le  sith  Dhe. 
Chuir    e    uime    an    fhalluinn    bhuidhe,    an 


43 


comhari'adh  a  tha  aea  anns  na  h-Innsibh 
gur  e  Sadhii  a  tha  aims  an  duine  air  a  bheil 
i,  is  chaidh  e  a  niacli  air  a  thurus  soisgeul- 
ach.  Chaidh  e  a  mach  cas-rviisgte,  gun  air- 
giod  gun  mhaileid,  gun  dad  'n  a  laimh  ach 
an  Tiomnadh  Nuadh.  Ach  bha  an  Tighear- 
na  maille  ris  is  neartaich  e  e. 

Ged  nach  robh  ann  ach  am  balach  a 
thaobh  aoifse  bha  eud  diadhaidh  nam  mar- 
tarach  'n  a  chridhe,  agus  thoisich  e  air  sear- 
monachadh  C'hriosd  anns  a'  bhaile  anns  an 
do  rugadh  e,  ag  innseadh  dhaibh  mu'n  t- 
sonas  ur  a  fhuair  e  tre  chreideamh  ann  an 
Criosd  agus  tre  a  thoil  a  liibadh  do  thoil  Dhe. 
O'n  bhaile  sin  chaidh  e  do  bhailtean  eile,  a' 
toirt  fianuis  d'a  luchd-diithcha  gur  e  Crios<l 
cumhachd   Dhe  a  chum  slainte. 

Ann  an  cuid  de  na  h-aitean  anns  an 
deachaidh  e  bha  e  air  a  thodrmeasg  dha 
Criosd  a  shearmonachadh,  ach  a  dh'  aindeoin 
ciod  a  dheanteadh  air  cha  b'  urrainn  Sun- 
dar  Singh  fantuinn  'n  a  thosd,  gun  fianuis  a 
thogail  air  taobh  Chriosd.  Ann  an  Nepal 
chuireadh  ann  am  priosan  e,  ach  anns  a' 
phriosan  fhuair  e  cothrom  air  Criosd  a  shear- 
monachadh, is  chreid  cuid  de  na  priosanaich 
a  theachdaireachd.  An  uair  a  thainig  so  gu 
cluasan  an  luchd-riaghlaidh  bha  e  air  a  thoirt 
a  mach  gu  erois  a'  bhaile,  agus  air  a  rusgadh 
agus  air  a  sgiiirsadh.  An  sin  bha  dealachan 
air  an  tilgeil  air  a  chorp  ruisgte  gus  an  fhuil 
a  dheoghal  as.  Tha  na  laraichean  sin  'na 
chorp  fhathast  air  choi"  agus  gu  bheil  e  a' 
giulan  gu  litireil  athailtean  an  Tighearn 
losa  'n  a  chorp.  An  toiseach  bha  muinntir 
a'  bhaile  a'  magadh  air,  a'  glaodhach  nach 
robh  ann  ach  cu  Criosdiiidh,  ach  an  uair  a 
chunnaic  iad  an  t-aoibhneas  a  bha  lasadh  'n 
a  aodann  a  chionn  gu'n  do  cbeadaicheadh 
dha  fulang  air  sgath  Chriosd,  thainig  seorsa 
de  uamhann  orra  is  leig  iad  as  e. 

Cha  mhor  gu  bheil  aite  air  an  t-saoghal 
anns  nach  do  shearmonaich  Sundar  Singh 
Criosd ;  coltach  I'i  Iain  Wesley  b'e  an  saoghal 
uile  a  sgireachd.  Bha  e  ann  an  Tibet  fein 
dha  no  tri  dh'  uairean  ;  bha  e  an  America, 
an  Astralia,  anns  an  Roinn-Eorpa.  "Oidh- 
che  a  bha  mi  ag  iirnuigh,"  ars'  esan  "thainig 
gairm  thugam  dol  do  Shasunn ;  ann  an 
Sasunn  bha  mi  sona  sona  ged  nach  'eil  a' 
ghrian  ri  fhaicinn  ann  ach  gle  bheag  agiis 
ged  tha  grian  na  fireantachd  air  a  miichadh 
ann." 

Theagamh  g'u  bheil  cuimhne  aig  ar  luchd- 
leughaidh  gu  maith  air  turusan  an  duine  so 
do  Shasunn  oir  bha  gu  leoir  uime  anns  na 
paipearan-naigheachd  aig  an  am.  Ach  an 
uair  a  gheibh  na  paipearan-naigheachd 
greim  air  leithid  Simdar  Singh,  's  a  thoisich- 
ear    air    othail    is   bMlich    a    dheanamh    mu 


nithean  diomhair  an  anama  ;  's  a  thoisichear 
air  teachdairean  an  t-soisgeil  a  chur  ann  an 
caithrichean  arda  am  measg  mhaitheau  an  t- 
saoghail  aig  coinneamhan  is  dinnearaichean, 
tha  an  rud  a  thachair  cheana  a'  tachairt  as 
iir,  tha  Criosd  air  a  cheusadh  agus  air  a 
chur    gu   naire    fhollaiseaqh. 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  Sadhu  Sun- 
dar Singh  ann  am  Breatunn  bha  e  toilichte 
faotainn  air  falbh  dhachaidh  ;  air  falbh  o'n 
iipraid  agus  o'n  driop  a  tha  do  na  daoine 
againne  rnar  anail  am  beatha,  ach  a  bha 
dhasan   'na  chuing    agus   'na   uallach. 

Bheannaich  Dia  saothair  an  duine  naoimh 
so  gu  mor,  gu  sonraichte  am  measg  a  luchd- 
diithcha  fein.  Tha  meas  agus  urram  air  a 
thoirt  da  anns  na  h-Innsibh  nach  d'  fhuair 
teachdaire  soisgeulach  eile  riamh  ;  tha  e  a' 
nochdadh  spiorad  agus  cumhachd  an  t-sois- 
geil dhaibh  ann  an  doigh  a  thuigeas  iad. 


A  BHEIL  E  FIOR? 

Air  an  t-seachduin  so  leugh  mi  leabhar 
beag  nach  'eil  furasda  dhomh  a  chur  as  m' 
aire,  oir  thog  e  uiread  de  smuaintean  'n  am 
inntinn  's  gu  bheil  mo  c'heann  mar  gu'm 
biodh  sgaoth  sheilleanan  ann.  Bha  an 
leabhar  air  a  sgriobhadh  le  fear-cinnidh 
dhomh,  an  t-Ollamh  Iain  Mac  Laomuinn  a 
bha  'na  mhinsteir  ann  an  te  de  eaglaisean 
Dhuneideann  ;  duine  coir  is  duine  firinneach 
a  bha  riamh  fo  chliu  maith  anns  an  eaglais. 
Na'n  robh  an  leabhar  air  a  sgriobhadh  le 
Leathanach,  no  Caimbeulach,  no  Domhnullach, 
no  le  aon  eile  de'n  t-sluag-h  neo-thimchioll- 
ghearrte,  theagamh  gu'n  abrainn  nach  robh 
ann  ach  rabhart  gun  bhun  gun  bharr,  ach 
bha  tiir  is  fir  inn  anns  a'  chinneadh  againne 
riamh,  agus  mar  sin  tha  e  rud  beag  duilich 
dhomh  a  radh  glir  e  rabhart  a  tha  anns  an 
leabhar  so,  ged  tha  e  duilich  cuideachd 
<i-abhail   ris  mar   shoisgeul. 

Tha  an  t-Ollamh  so  a'  creidsinn  anns  an 
rud  ris  an  abair  iad,  Spiritualism^  is  tha  e 
Ian  chinnteach  gu'n  do  chuir  a  nio-hean  fein 
teachdaireachd  thuige  o  thaobh  thall  na  h- 
uagha.  Chaochail  i  air  an  aona  la  deug 
de'n  Mhart  ann  an  1922  is  chuir  i  fios  gu 
h-athair  as  an  t-saoghal  eile  air  an  dara  la 
fichead  de'n  mhios  sin.  Tha  e  ag  radh  anns 
an  leabhar  gu  bheil  so  cho  cinnteach  's  a  tha 
e  gu  bheil  e  fein  beo  ;  fhuair  e  iomadh  dear- 
bhadh  gur  e  Catriona  a  niehean  a  bha 
bruidhinn  ris.  Uair  de  na  h-uairean  a 
chaidh  e  gu  duine  sonraichte  troimh  am  bi 
fios  a'  tighinn  o'n  t-saoghal  thall,  b'e  na  ceud 
spioradan    a    dh'    fheuch    ri    bruidhinn,    an 


Seanalair  Wauchope  nach  maireann,  agus  an 
t-Urramach  P.  Paterson  a  b'  aithne  do'n 
Ollamh  'n  a  bhalach.  Bha  Pateisou  aiia- 
barrach  gaolach  air  deasbud  an  uair  a  bha 
e  beo,  is  b'e  a'  cheud  cheist  a  dh'  fharraid  an 
t-Ollamh  MacLaomuinn  dheth  an  robh  deas- 
boireachd  mu  nithean  spioradail  a'  dol  air 
aghaidh  anns  an  t-saoghal  thall.  Thubhairt 
Paterson  gu  robh  gu  leoir,  is  rinn  e  gaire 
cridheil ;  an  seorsa  gaire  a  bha  aige  a  bhos, 
is  tha  Mac  Laomuinn  ag  radh  gu'n  aithnich- 
eadh  e  a  ghaire  ann  an  aite  air  bith. 

Tha  rudan  eile  anns  an  leabhar  as  neon- 
aiche  na  sin,  ach  ged  bhiodh  rud  iongantach 
'n  ar  vsuilean-ne  agus  'n  ar  cluasan-ne  cha'n 
'eil  sin  a  ciallachadh  nach  fhaod  e  a  bhi  fior. 

Do  dhuine  air  bith  a  tba  creidsinn  ann  an 
saoghal  eile  agus  anns  a'  bheatha  mhairean- 
naich  cha  ruig  teagasg  nan  spiriHialists  a 
leas  oilbheum  a  thabhairt.  Cha'n  'eil  e  do- 
chreidsinn  ann  an  doigh  air  bith  gu'n  ouir- 
eadh  an  fheadhainn  a  tha  thall  fios  a  dh' 
ionnsuidh  nan  daoine  a  dh'  fhag  iad  'n  an 
d^idh.  Tha  e  nadurra  gu'n  deanadh  iad 
sin,  is  bhitheadh  fiughair  againn  ris,  ach  an 
gabh  dearhhadh  cinnteach  fJiaotainn  gu'n  do 
rinn  iad,  riam,h  el  Tha  fianuis  is  fianuis  ann. 
Tha  gu  le6ir  de  dhaoine  ann  a  tha  'n 
an  daoine  firinneach  nach  urrainnear 
am  fianuis  a  ghabhail  air  ciiis  de'n  t-se6rsa 
so  ;  bidh  an  aisling  mar  an  durachd. 

Aon  ni  tha  fior ;  tha  nithean  ura 
mu'n  t-saoghal  fhaicsinneach  a'  tighinn 
am  follais  an  diugh  a  bhiodh  do-chreid- 
sinn  do  na  daoine  aig  an  robh  na 
h-inntinnean  a  b'  fharsuinge  leth-cheud 
bliadhna  roimh  so.  Tha  miorbhuil  air  sail 
miorbhuil  anns  a'  chruthachadh.  Agus 
theagamh  gu  bheil  sinn  anns  na  laithean  so 
air  bheul  foillseachadh  ur  is  dearbhachd  ur 
fhaotainn  a  thaobh  an  t-saoghail  neo-fhaic- 
sinnich.  Co  dhiu  tha  na  ceudan  anns  an 
rioghachd  so  cho  mhaith  ris  an  fhear  a 
sgriobh  an  leabhar  so  a'  tabhairt  fianuis  o'm 
fiosrachadh  fein  gu'n  d'  fhuair  iad  dear- 
bhadh  cinnteach  gu  bheil  daoine  a  b' 
aithne  dhaibh  anns  an  fheoil  beo  fhathast 
air  an  taobh  thall  de'n  uaigh,  agus  gu'n  do 
bhruidhinn  iad  riu.  Ma  tha  so  fior,  tha  e  'n 
a  ni  cho  mor  agus  cho  soluimte  's  nach  d' 
fhuaradh  a  mach  riamh  rud  eile  a  ghabhas 
coimeas  ris. 


AN     LUIBHRE. 

Anns  an  treas  caibideal  deug  de  Lebhit- 
icus  tha  cunntas  mionaideach  ri  fhaotainn 
mu'n  ghalair  uamhasach  so. 

Bha  an  galair  an  da  chuid  gabhailteach.  is 
duthchasach,     agus    bha     eagal     air     daoine 


roimhe  anns  na  seann  laithean  mar  tha  eagal 
orra  an  diugh  roimh  'n  bhi'ic.  Cha  robh 
maith  dhaibhsan  air  an  robh  e  an  aodann 
a  nochdadh  anns  an  t-sionagog  no  an  aite 
sam  bith  eile  far   am  biodh  daoine  cruinn. 

Bha  e  air  a  radh  gur  h-ann  's  an  Eiphit 
a  fhuair  na  K-Iudhaich  e,  jagus  gu'm  b'e 
cruas  na  h-oibre  a  bha  aca  ri  dheanamh 
aig  na  h-athachan-creadha  a  bu  mhathair- 
aobhair  dha.  Ach  cha  'n  'eil  e  coltach  gu'n 
robh  e  dad  na  bu  chumanta  am  measg  nan 
ludhach  na  bha  e  am  measg  chinneach  eile 
anns  an  aird  an  ear.  Bha  an  galair  cho  fada 
sear  ris  na  h-Innsean  is  lapan  mile  bliadhna 
roimh  theachd  Chriosd.  Bha  muinntir 
Phersia  a'  creidsinn  gu'n  do  pheacaich  gach 
neach  air  an  robh  an  luibhre  an  aghaidh  na 
greine.  Cha  'n  e  mhain  nach  tugadh  iad 
fasgadh  do  dhuine  air  an  robh  an  galair, 
ach  bhiodh  iad  a'  cur  as  do  chalumain 
gheala,  an  dull  gu  'n  robh  e  orra-san 
cuideachd. 

Anns  an  deicheamh  linn  rainig  e  an  Roinn- 
Eorpa,  agus  fad  nan  ceudan  bliadhna  'na 
dheidh  sin  bha  e  cumanta  gu  leoir,  eadhon 
ann  am  Breatunn.  An  sid  's  an  so  air  feadh 
na  duthcha  chithear  comharran  fhathast  gu'n 
robh  a'  phlaigh  so  aon  uair  'n  ar  measg. 
Bhiodh  iadsan  air  an  robh  i  air  an  cumail 
ann  am  punndar,  dealaichte  o  dhaoine;  agus 
tha  ainmeannan  is  laraichean  nam  punndar 
sin  air  chuimhne  fhathast.  Cha  'n  fhacas 
luibhre  ann  am  Breatunn  o  chionn  uine 
fhada,  ach  tha  an  galair  gle  dhona  ann  an 
Lochlann  fhathast,  agus  bidh  e  a'  briseadh 
a  mach  am  drasd  's  a  rithist  ann  an  Russia, 
anns  an  Spainnt,  anns  an  Eadailt,  agus  anns 
a'  Ghreig.  Gheibhear  e  anns  an  Afric  anns 
na  bailtean  a  tha  dliith  do  'n  chladach.  Tha 
e  anns  an  h-Innsean  mar  bha  e  riamh,  agus 
ann  an  China. 

Ged  dh'  fhaodas  feadhainn  a  ghabhail  a 
tha  glan  'n  am  fuil  is  'n  an  craicionn,  tha  e 
coltach  gur  e  an  salachar  a  tha  'g  a  thogail. 
Droch  thighean,  is  cion  gloine,  is  droch 
bhiadh — is  e  sin  mathair-aobhar  na  luibhre. 
Tha  cuid  de  lighichean  a'  cumail  a  mach  gu 
bheil  iadsan  a  tha  tighinn  beo  air  iasg 
buailteach  do  'n  ghalair,  gu  sonraichte  air 
iasg  saillte. 

Bha  e  air  a  radh,  ged  nach  urrainn  sinn 
aithris  mar  fhirinn,  gur  e  so  an  galair  a  thug 
bas  do  righ  Albainn,  Raibeart  Brus.  Ged 
nach  'eil  samhladh  as  bitheanta  ris  am  bi 
searmonaichean  a'  samhlachadh  a'  pheacaidh 
na  luibhre,  cha  'n  'eil  an  samhladh  sin  idir 
air  a  chleachdadh  anns  a'  Bhiobull.  Ach  tha 
an  da  rud  cho  coltach  ri  cheile  an  iomadh 
d^igh  's  nach  b'  urrainn  do  luchd-teagaisg 
gun  amas  air. 


Air     1. 


1929. 


1843—1929. 

B'e  am  briseadh  a  bu  mhiosa  a  chaidh  a 
dheanamh  riamh  air  Eaglais  na  h-Alba  am 
briseadh  a  rinneadh  oirre  ann  an  1843. 
Riamh  o'n  latha  sin  bha  daoine  ann  an 
Albainn  a  bha  feitheamh  ri  dochas  na 
bliadhna  so,  agus  ag  iirnuigh  air  a  shon,  an 
dochas  gu'ni  biodh  Eaglais  na  h-Alba  fhathast 
mar  bha  i  anns  na  seann  laithean.  Theag- 
amh  nach  'eil  e  comasach  dhi  a  nis  an  t-al 
uile  a  chruinneachadh  fo  a  sgiathan,  ach 
m'an  tig  a'  bhliadhna  ur  so  gu  crieh,  tha 
fiughair  againn  gu'm  bi  an  t-aonadh  air 
an  robhtar  a'  bruidhinn  bho  chionn  fichead 
bliadhna  air  a  sh&ulachadh  mu  dheireadh. 

Theagamh  gu'n  saoil  cuid  gu'n  gabhadh 
an  rud  deanamh  ann  an  iiine  a  bn  ghiorra  na 
fichead  bliadhna,  ach  bha  an  gnothuch  fada 
fada  na  bu  duiliche  na  shaoileas  an  fheadh- 
ainn  aig  nach  robh  lamh  ann.  An  uair  a  bhios 
eaglais  air  thigheadas  dhi  fein  corr  agus 
ceithir  fichead  bliadhna  cha'n  e  sin  an 
siigradh  a  tigh  agus  a  clann  agus  a  maoin 
shaoghalta  a  chur  an  ordugh  gus  dol 
air  imrich.  Agus  idir  idir  cha  robh 
e  furasda  do'n  eaglais  a  bha  ceangailte 
ris  an  staid  a  h-acraicheair  fhuasgladh 
no  ghluasad  ann  an  aon  la  no  ann 
an  aon  bhliadhna.  Ach  gu  fortanach  bha 
daoine  glic  agus  daoine  ciallach  agus  daoine 
faighidinneach  air  an  da  thaobh,  agus  tha 
an  saothair  a  nis  air  bheu!  a  bhi  crioch- 
naichte.  Bidh  an  t-aonadh  air  a  sheulachadh 
amis  an  Fhoghar. 

Bhiodh  gairdeachas  na  duthcha  na  bu  mho 
na  tha  e  na'n  robh  an  eaglais  Sha-^r  a'  tighinn 
a  steach  comhla  ris  an  eaglais  Shaor 
Aonaichte,  ach  a  dh'  aindeoin  gach  cuireadh 
a  thugadh  dhi  tha  an  eaglais  Shaor  a'  seasamh 
a  mach,  ag'us  tha  a  choslas  oirre  seasamh  a 
mach  fad  na  gineil  so  co  dhiu.  Tha  e  duilich 
a  dheanamh  a  mach  ciod  iad  na  puingean  air 
a  bheil  an  eaglais  Shaor  a'  seasamh  nach  'eil 
na  h-eaglaisean  Cleireachail  eile  a'  seasamh 
orra  mar  an  ceudna,  ach  co  dhiu  tha  i  an  diiil 
gu  bheil  fianuis  shonraichte  aice  ri 
thogail  ann  an  Albainn,  agus  faodar  an 
gnothuch  fhagail  mar  sin. 

An  uair  a  thig  an  t-am  tha  mi  an  dochas 
gu'm  faic  mo  shiiilean  an  sealladh  gasda  so, 
agus  gu'n  cluinn  mo  chluasan  fonn  na  sailm 
ag  eirigh  gu  neamh  bho  na  miltean  a  bhios  a' 
moladh  an  Tighearna  a  chionn  gu'n  do  thog 
e  suas  Sion  as  ur. 


Nis  eiridh  tu  a  dheanamh  grais 
Air  Sion  naomh  gu  dluth ; 

Oir  am  a  cabhair  tha  air  teachd, 
Seadh,  'n  t-am  a  dh'   orduich  thu. 

Oir  t'  oglaich  tha  a'  gabhail  tlachd 
'Na  clachaibh  breagh  gach  uair; 

Tha  deag-thoil  aig  do  sheirbhisich 
D'a  luaithre  is  d'a  h-iiir. 


CRIOSD    AGUS    PEADAR. 

A  Shimoin,  a  mhic  lonais,  an  tuiijh  leaf 
misel     Eoiii  xxi,  17. 

"Innsibh  d'a  dheisciobuil  agus  do  Pheadar 
gu  bheil  e  a'  dol  roimhibh  do  Ghalile  :  chi  sibh 
an  sin  e  mar  thubhairt  e  ribh."  B'e  sin  am 
fios  a  chuir  Criosd,  an  deidh  dha  eirigh  o  na 
mairbh,  a  dh'  ionnsuidh  nan  deisciobul.  An 
oidhche  anns  an  do  bhrathadh  e  thubhairt  e 
ri  Peadar,  "Feuch  dh'  iarr  Satan  sibhse 
chum  bhur  criaradh  mar  chruithneachd,  ach 
ghuidh  mise  air  do  shon-sa,  nach  diobradh  do 
chreideamh  thu." 

Tha  e  coltach  gu  robh  iomagain  air  Criosd 
mu  Pheadar.  An  deidh  dha  a  mhaighstir 
aicheadh  bha  Peadar  truagh  ann  an  droch 
shuidheachadh ;  bha  e  air  a  narachadh  agus 
air  a  mhaslachadh  airson  an  rud  a  rinn  e. 
Cha  robh  e  a'  ciallachadh  a  chiil  a  thionndadh 
air  Criosd,  ach  air  doigh  air  choreigin  chaill 
e  a  chiall  agus  a  choguis  car  greis,  agus  m' 
an  robh  fhios  aige  ciod  a  bha  e  a'  deanamh 
bhoidich  is  mhionnaich  e  nach  b'  aithne  dha 
losa. 

Ach  am  beagan  nine  thainig  e  thuige  fein, 
agus  an  uair  a  thainig  e  thuige  fein  bha  a 
chridhe  goirt  le  aithreachas  is  bron  diadh- 
aidh  ;  bha  an  urnuigh  'na  chridhe  gun  fhagail, 
"A  Thighearna,  dean  trocair  ormsa  a  tha  am 
pheacach." 

Bu  leir  do  Chriosd  cridhe  Pheadair  oir  is 
aithne  do'n  Bhuachaill  Mhaith  a  chaoraich, 
agus  dh'  ainmich  e  Peadar  air  ainm  an  uair 
a  chuir  e  fios  a  dh'  ionnsuidh  nan  deisciobul 
gu  robh  e  a'  dol  romhpa  do  Ghalile.  "Innsibh 
d'a  dheisciobuil  agus  do  Pheadar,'^  mar  gu'm 
biodh  amharus  aise  nach  cunntadh  Peadar  e 
fein  am  measg  a  chairdean,  an  deidh  na  rinn 
e,  agus  nach  rachadh  e  do  Ghalile  comhla  ri 
each  mur  biodh  e  air  ainmeachadh  air  ainm. 


Theii  cuid  de  dhaoine  nach  bii  ghniomh 
caomhail  a  rinn  losa  an  uair  a  chuir  e  Peadar 
air  stol  an  aithreachais  gus  a  cheasnachadh  ; 
their  iad  nach  robh  e  chum  buannachd  air  bith 
a  mhearachdan  a  thoirt  am  follais  agus  a 
choguis  a  bhioradh  as  ur  an  lathair  nan 
deisciobul  eile.  Ach  faodar  a  bhi  cinnteach 
gu'm  b'  aithne  do  Chriosd  gu  maith  ciod  a 
bha  e  a'  deanamh  agus  nach  ann  air  ghaol 
Peadar  a  ghortachadh  a  cheasnaich  e  e  mar  a 
rinn  e,  ach  a  chionn  gu  robh  fhios  aige  gu'm 
bio'dh  buannachd  ann  do  Pheadar  cothrom  iir 
fhaotainn  air  a  ghradh  agus  a  dhilseachd  a 
nochdadh  dha. 

A  Shimoin,  a  mhic  lonais,  an  toigh  leat 
misel  Cha  dubhairt  e  Peadar,  oir  tha  am 
facal  Peadar  a'  ciallachadh  cari^aig,  is  cha  bu 
mhaith  leis  cridhe  an  aithreachain  a  leon  thar 
tomhais.  A  Shimoin,  a  mhic  Tonais,  a  bheil 
barrachd  graidh  agad  dhomhsa  orra  sin  1 
Bha  la  ann  a  bha  Simon  an  duil  nach  robh 
gin  de  na  deisciobuil  aig  an  robh  uiread 
graidh  do  losa  's  a  bha  aige  fein.  Uair  is 
uair  rinn  e  boilich  as  a  dhilseachd.  isbhoidich 
e  gu  rachadh  e  gu  bas  le  a  Mhaighstir,  ciod 
air  bith  a  clheanamh  iadsan.  Ach  gle  ghoirid 
an  deidh  dha  sin  a  radh  mhionnaich  is  mhall- 
aich  e  nach  b'  aithne  dha  losa  riamh,  agus 
ged  a  thionndaidh  each  uile  an  cul  ris  ann  an 
uair  a  dheuchainn,  is  e  Peadar  a  mhain  a  dh' 
an-troniaich  a  ghealtaireachd  le  breugan. 
Bha  cuimhne  aige  air  sin  ;  bha  fhios  aige  nach 
biodh  6  ceart  no  iomchuidh  dha  a  radh  a  nis 
gu  robh  barrachd  graidh  aige  do  losa  na  bha 
aig  each,  agus  mar  sin  fhreagair  e,  Tha  fios 
agad,  a  Thighearna,  gur  toigh  learn  thii. 

Cha  do  chuir  Criosd  teagamh  'n  a  fhacal ; 
bu  leir  dha  a  chridhe  is  bha  fhios  aige  gu 
robh  gaol  aig  Peadar  air  a  dh'  aindeoin  na 
breislich  a  chaidh  'n  a  cheann  ann  an  talla  an 
ard-sha'gairt.  An  deidh  laimhe  nochd 
Peadar  meud  a  ghraidh  d'a  Mhaighstir  agus 
meud  a  dhilseachd  do  thoil  a  Mhaighstir  le  a 
bheatha  a  leigeil  sios  'na  sheirbhis. 

Tri  uairean  chuir  Criosd  a'  cheist  cheudna 
air  Peadar,  is  tri  uairean  fhreagair  Peadar, 
Tha  fios  agad,  a  Thighearna,  gur  toigh  learn 
thu.  Ma  bha  eagal  air  Peadar  nach  tugadh 
an  Slanuighear  beannaichte  maitheanas  dha, 
ciod  an  dearbhadh  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn 
da  fhaotainn  gu  robh  foluch  air  a  chur  air 
a  chionta  na  gu'n  dubhairt  e  ris,  Beathaich 
m'  uain  ;  beathaich  mo  chaoraich.  Mar  gu'n 
abradh  Criosd  ris,  Biodh  an  earbsa  a  tha  mi 
a'  cur  annad  agus  an  dleasdanas  a  tha  mi  a' 
cur  ort  'n  a  chomharradh  dhuit  gu  bheil  do 
chiont  air  fholuch  agus  t'  anam  air  aiseag  air 
ais  duit. 

Cha  do  leig  Peadar  gu  brathas  a  chuimhne 
an  doish  chaomhail  anns  an  do  bhuin  Criosd 


ris  an  la  ud,  oir  moran  bhliadhnachan  'n  a 
dheidh  so  sgriobh  e  gu  seanairean  na  h-eaglais 
ann  an  cainnt  a  tha  gle  choltach  ris  na 
briathran  a  labhair  Criosd  ris  fein.  "Beath- 
aichibh  trend  Dhe  a  tha  'n  'ur  measg,  a' 
gabhail  ciiraim  dheth,  cha  'n  ann  a  dh' 
aindeoin  ach  gu  deonach,  ni  mo  mar  thigh- 
earnan  os  cionn  oighreachd  Dhe,  ach  mar 
dhream  a  tha  'n  an  eisempleirean  do'n 
trend." 

****** 

Tha  an  naigheachd  so  tarbhach  gu  iomadh 
seorsa  teagaisg,  ach  tha  i  gu  sonraichte  a' 
teagasg  an  da  nl  so,  (1)  gu  bheil  Dia  caomhail 
ri  peacaich  aithreachail  agus  (2)  gur  e  an 
comharradh  as  fhearr  air  an  diadhaidheachd 
gradh  a  bhi  aig  duine  do  Chriosd. 

Tha  Dia  gu  siorruidh  a'  buntainn  ri 
peacaicKmar  a  bhuin  losa  riu  ann  an  laithean 
fheola  ;  tha  e  caomh  is  coibhneil  is  trocaireach. 
Is  aithne  dha  ar  dealbh  agus  is  cuimhne  leis 
gur  duslach  sinn.  Is  leir  dha  a  h-uile  rud 
maith  agus  a  h-uile  faireachduinn  mhaith  a 
tha  ann  an  cridheachan  a  chloinne  cho  mhaith 
's  is  leir  dha  an  t-olc  agus  am  peacadh  a  tha 
annta,  agus  a  chionn  gur  leir  bheir  e  breith 
chothromach.  Is  leir  dha  blaths  a  chridhe 
agus  tograidhean  an  spioraid  cho  mhaith  's  is 
leir  dha  anfhannachd  is  laigse  na  feola.  An 
uair  a  chaidh  Peadar  air  seachran  theagamh 
gu'm  biodh  e  ag  radh  ris  fein  nach  do  rinn 
duine  riamh  air  thalamh  ach  ludas  a.  mhain 
rud  cho  peacach  's  a  rinn  esan,  agus  nach 
robh  mughadh  air  bith  eadar  e  fein  agus  an 
duine  mallaichte  sin.  Ach  bu  leir  do  Chriosd 
cridhe  na  dithis,  agus  bha  fhios  aige  gu  robh 
uiread  astair  eatorra  gu  spioradail  's  a  tha 
eadar  siar  is  sear.  Agus  a  chionn  gu  robh 
thug  e  maitheanas  do  Pheadar  agus  gairm  na 
h-abstolachd  as  iir,  ach  chaidh  ludas  d'a  aite 
fein.  Tha  an  duine  a  bhios  a'  peacachadh  an 
aghaidh  an  t-soluis,  ann  am  full  fhuar  agus  'n 
a  cheart  deoin,  mile  uair  na's  ciontaiche  na'n 
duine  a  ghlacar  gu  h-obann  le  buaireadh, 
agus  a  thuislicheas  m'an  teid  e  'n  a  earalas. 
B'  aithne  do  Chriosd  nach  b'e  olcas  a  chridhe 
ach  laigse  na  feola  a  thug  air  Peadar  ainm 
fein  aicheadh  an  oidhche  ud,  agus  mar  sin 
thug  e  cothrom  dha  a  chridhe  a  ghlanadh  le 
aithreachas  agus  toiseachadh  as  ur.  Sin 
agad,  a  leughadair,  trocair  an  Tighearna ; 
agus  nach  aoibhneach  an  soisgeul  e  do  dhaoine 
peacach,  gur  e  so  an  Dia  ris  a  bheil  gnothuch 
againn. 

Is  e  an  comharradh  as  fhearr  air  an 
diadhaidheachd  gradh  a  bhi  aig  duine  do 
Chriosd  agus  do'n  Dia  a  tha  air  fhoillseach- 
adh  ann  an  Criosd.  Gun  ghradh  do'n 
Tighearna  anns  a'  chridhe  cha  'n  'eil  anns  an 
diadhaidheachd  ach  seorsa  de  dhaorsa,  ach  far 


3 


a  bheil  an  gradh  thig  gach  toradh  maith  eile 
'n  a  am  fein.  "Tha  gradh  againn  dha,"  ars' 
an  t-abstol  Eoin,  "a  chionn  gu'n  do  gradh- 
aich  esan  sinne  an  toiseach."  Sin  a'  bhunait 
as  laidire  air  an  urrainnear  a  bheatha  spior- 
adail  a  thogail,  an  gradh  agus  an  taingeal- 
achd  do  Dhia  a  tha  air  a  dhiisgadh  ann  an 
cridheachan  a  shluaigh  air  son  a  mhaitheis 
agus  a.  throcair  dhaibh  tre  losa  Criosd  a  Mhac. 

An  uair  a  bha  Criosd  a'  fagail  an  t-saoghail 
cha  d'  iarr  e  air  na  deisciobuil  an  aonta  a 
chur  ri  creud  no  paidir  ;  bu  leor  an  dearbhadh 
air  an  creideamh,  An  toigh  leat  niisel  Bha 
fhios  aige  nach  ruigeadh  e  a  leas  cumhachan 
no  ciimhnantan  eile  a  chur  orra  ach  sin. 

Cha  bu  choir  do'n  eaglais  garraidhean  a 
thogail  nach  do  chuir  Criosd  suas,  no  bhi 
ceasnachadh  dhaoine  mu  nithean  diomhair 
agus  domhain  nach  'ail  ach  air  iomall  na 
diadhaidheachd,  oir  is  fhearr  an  lasag  bheag 
ghraidh  a  tha  ann  an  cridhe  duine  na  eolas  a 
bhi  aige  air  nithean  domhain  agus  diomhair. 
Is  e  an  gradh  a  tha  an  Spiorad  Naomh  a' 
dusgadh  anns  a'  chridhe  cumhachd  Dhe  a 
chum  slainte.  Sin  an  cumhachd  a  tha  a' 
taladh  dhaoine  gu  naomhachd  is  irioslachd  is 
umhlachd,  agus  sin  an  cumhachd  a  chuireas  a 
mach  iad  a  shireadh  nan  uan  agus  nan 
caorach  a  tha  air  chall. 


ANNS    A    CHATHAIR. 

Tha  tuilleadh  sonais  ann  an  diiil 

Na  th'  ann  an  crvn  It  hhi  'n  a  shealhh. 

Faodaidh  e  bhith  nach  sealbhaich  mise  gu 
brath  an  crini  ris  a  bheil  duil  agam,  agus  air 
am  bi  mi  air  uairean  a'  bruadar,  ach  mur 
sealbhaich,  fhuair  mi  cuibhrionn  reusonta  de 
shonas  cheana  le  bhi  'g  a  fhaicinn  air  mo 
cheann. 

Tha  fichead  doigh  ann,  a  leughadair,  anns 
am  faod  duine  toilinntinn  fhaotainn  dha 
fein  gun  chron  a  dheanamh  do  dhuine  eile, 
agus  bidh  mise  a'  faotainn  solais  nach  beag  le 
bhi  sealltuinn  air  map  na  h-Alba  gus  aite 
boidheach  agus  seasgar  a  shonrachadh  anns  an 
teid  mi  a  chomhnuidh  an  uair  a  dh'  fhasas  mi 
aosda  agus  anfhann. 

Fad  bhliadhnachan  bha  mi  an  duil  gu'n  d' 
fhuair  mi  ionad  mo  thaimh,  shuas  aig  ceann 
Loch  Nis,  mu  choinneamh  Aiseag  Bhona.  Is 
iomadh  uair  a  chaidh  mi  thairis  air  Aiseag 
Bhona  a  dh'  fhaicinn  mo  charaid  gaolach, 
Tomas  Sinton,  an  uair  a  bha  mi  anns  na 
,criochan  ud,  ach  cha  deachaidh  mi  riamh 
thairis  air  gun  e  thighinn  'n  am  cheann  gu'ra 
bu  ghasda  leani  mo  laithean  a  chriochnachadh 


ann  an  tigh  beag  a  bha  shuas  air  a' 
bhruthach  os  ceann  an  locha.  Bha  reidhlean 
boidheach  mu  thimchioll  an  tighe,  agus  croit 
bheag  air  am  bithinn  a'  faicinn  bodach  beag 
a'  buachailleachd  da  mhart ;  a'  ghrian  a  dh' 
eireadh  gu  moch  air  a'  chroit  agus  air  an  tigh 
laigheadh  i  gu  h-anmoch  orra. 

Ach  bhuaith  sin  chunnaic  mi  aitean  eile  air 
an  do  leag  mi  mo  shiiil ;  tigh  geal  ann  am 
Meadarloch,  mu  choinneamh  na  Conghaile ; 
Tarscabhaig  ann  an  Sleibhte  far  am  faca  mi 
larach  air  an  do  shanntaich  mi  bothan  beag  a 
thogail  dhomh  fein  an  sealladh  Chuilinn  ; 
Aird-mheara  dliith  air  UUabul  far  a  bheil 
samhchair  na  Sabaid  air  laithean  na  seach- 
duin,  agus  gach  ni  eile  a  thogadh  do  chridhe, 
muir  is  monadh  is  Beinn  Mhor  Asaint.  Sin 
na  h-aitean  a  shonraich  mi  dhomh  fein  agus 
aite  no  dha  eile  nach  fhaod  mi  ainmeachadh 
air  eagal  gu'n  gearr  feadhainn  eile  romham 
a  tha  na's  dluithe  do  chrioch  an  seirbhis. 
Ach  theagamh  nach  'eil  an  cunnart  so  cho 
mhor  's  a  tha  mi  a'  saoilsinn  ;  'n  an  aois  agus 
'n  an  oige  is  e  Duneideann  an  t-aite-taimh  air 
a  bheil  a'  mhor-chuideachd  de  mo  bhraithrean 
an  toir. 

Cha  bu  mhaith  leam  deireadh  mo  laithean  a 
chur  seachad  anns  a'  bhaile  mhor,  no  an  aite 
air  bith  eile  ach  ann  an  cridhe  na  diithcha,  far 
a  bheil  na  nithean  as  docha  leam,  agus  air  a 
bheil  mo  ghaol  a'  meudachadh  mar  is  sinne  a 
tha  mi  a'  fas.  Tha  daoine  air  an  diithaich  a' 
call  iomadh  rud  maith  a  tha  aig  muinntir  a' 
bhaile  mhoir,  ach  anns  an  t-saoghal  so  cha  'n 
urrainnear  dad  fhaotainn  gun  phris  a  phaigh- 
eadh  air  a  shon,  agus  is  fhiach  daibh  deanamh 
as  eugmhais  nan  nithean  maithe  sin  air  sgath 
nan  nithean  as  fhearr  a  tha  aca  air  an  diith- 
aich, agus  nach  b'  urrainn  a  bhi  aca  n'  am 
fagadh  iad  i.  _  An  uair  a  tha  gaol  aig  duine 
air  an  duthaich  agus  air  uir  na  talmhainn 
mar  tha  aige  air  a  phiuthair  no  air  a  bhrath- 
air,  agus  cuimhnich,  a  leughadair,  gur  coir 
dhuit  gaol  a  bhi  agad  air  an  talamh  a  chionn 
gu  bheil  an  talamh  naomh  is  glan,  tha 
companach  agus  comhairliche  agus  'fear- 
teagaisg  aig  an  duine  sin  a  dh'  fhosglas  a 
shiiilean  mar  nach  b'  urrainn  maighstir-sgoile 
air  an  t-saoghal  a  dheanamh. 

Cha  fhreagradh  e  gu  maith  dhomhsa  a  bhi 
cui^^  sios  air  sgoilean  no  air  maighstirean- 
sgoile,  oir  cha  d'  fhag  mi  an  sgoil  fhathast 
agus  tha  mi  ro  fhada  'nan  comain  na  gu'n 
caininn  iad,  ach  air  a  shon  sin  tha  fhios  agam 
nach  ann  o  dhuine  na  o  leabhar  a  fhuair  mi 
an  tomhas  gliocais  agus  sonais  air  an  do 
rainig  mi  anns  an  t-saoghal  so,  ach  o  na 
guthan  diomhair  leis  a  bheil  Dia  a'  labhairt 
rium  ann  an  obair  a'  chruthachaidh,  agus  o 
fheartan  cho  diomhair  'n  am  chridhe  fein  a 


bhios  a'  co-fhreagradh  do  na  guthan  sin. 
Theid  aig  na  maighstirean-sgoile  air  ar 
n-inntinnean  a  gheurachadh  agus  daoine 
gleusda  tapaidh  a  dheanamh  dhinn,  ach  is 
fhearr  sonas  is  gliocas  na  gleusdachd  is 
tapachd,  agus  is  e  Dia  a  mhain  agus  ar 
Mathair  a  bheir  sin  dhuinn.  Le  ar  Mathair 
tha  mi  a'  ciallachadh  an  Talamh  as  an  tainig 
sinn. 

Mur  cual  thu  riamh  Lloyd  George  a'  dean- 
amh  oraid  an  lathair  ceithir  mile  duine,  no 
mur  faca  tu  riamh  Padraig  Pan  ann  an  Tigh- 
na-cluiche,  is  call  dhuit  gun  teagamh  nach 
robh  thu  anns  a'  bhaile-mhor  a  chluinntinn 
agus  a  dh'  fhaicinn  sin,  ach  ma  chual  thu 
guileag  na  feadaig  air  a'  mhonadh  leat  fein 
air  a'  mheadhon-oidhche,  no  ma  chunnaic  thu 
am  beithe  geal  anns  a'  choille  bheithe  ri  solus 
na  gealaich,  chunnaic  agus  chuala  thu  nithean 
a  bheir  na's  dluithe  do  Dhia  agus  do 
thobraichean  na  slainte  thu  na  guth  Lloyd 
George. 

Ged  nach  'eil  mi  uile  gu  leir  cinnteach  tha 
amharus  agam  gu  bheil  na  boirionnaich  na's 
gaolaiche  air  a'  bhaile-mhor  na  na  fir.  Tha 
ni-eigin  ann  an  nadur  bhan  ris  nach  cord 
neochiontas  agus  samhchair  na  duthcha ; 
feorachas  is  neonachas  iongantach  a  tha  toirt 
orra  am  baile-mor  fheuchainn  los  am 
fiosrachadh  a  mheudachadh.  An  ni  a  bha 
ann  o  thus  is  e  sin  an  ni  a  tha  ann  fhathast ; 
cha'n'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein.  Is  e  am 
feorachas  no  an  neonachas  so  a  thue  air  Eubh 
am  meas  toirmisgte  itheadh.  Dh'  fhas  i 
sgith  de  chumhannachd  a'  gharraidh  agus  de 
shamhchair  na  duthcha,  is  shanntaich  i  eolas 
agus  fasain  a'  bhaile-mhor.  Ach  coltach  ri 
iomadh  a  h-aon  eile  a  rinn  an  roghainn 
chevidna  cha  d'  fhuair  i  an  sonas  a  shaoil  i. 
Ged  nach  bu  mhaith  leam  so  a  ghlaodhach  air 
mullach  nan  tighean  bu  mhaith  leam  gu'm 
biodh  fhios  aig  mo  bhraithrean  anns  a' 
mhinistrealachd  air,  co  dhiu  an  fheadhainn  a 
tha  fas  Aosda  agus  Anfhann  agus  a  tha  air 
bheul  an  obair  a  leigeil  dhiubh,  ach  aig  a 
bheil  mnathan  ceann-laidir  a  bheir  do 
Dhuneideann  iad,  a  dheoin  no  dh'  aindeoin. 

Tha  iomadh  rud  agamsa  ri  shocruchadh  fa 
chomhair  an  la  anns  an  iarr  mi  air  Cleir 
Dhunchailinn  mo  leigeil  mu  reir  le  am 
beannachd,  ach  tha  so  cinnteach  co  dhiu,  ma 
chi  mi  an  la  sin,  nach  teid  mi  a  dh'  fhuireach 
do'n  bhaile-mhor.  Gheibh  mi  tigh  beag  dhomh 
fein  ann  an  aiteboidheach  de'n  duthaich,  ann 
an  sealladh  na  mara  ma  ghabhas  e  deanamh, 
agus  dluth  do  eaglais  far  nach  bi  am  ministear 
a'  bruidhinn  air  lerahmeel.  Bu  mhaith 
leam  garradh  beag  a  bhi  agam  anns  am  fasadh 
ciirrain  aeus  ceirslean-cail  as  am  faodainn 
boilich  a  dheanamh  ris  a'  mhinistir  agus  ri 


coimhearsnaich  eile  a  thigeadh  'g  am 
fhaicinn.  Agus  an  viair  nach  bi  duine  agam 
ris  am  bruidhinn  mi  bruidhnidh  mi  rium 
fhein. 


DH'  ITH  AN  LAGH  E. 

An  la  roimhe  bha  mi  fhein  agus  coimhears- 
ach  a'  bruidhinn  mu  dhuine  sonraichte  a 
chaochail  o  chionn  da  fhichead  bliadhna. 
Bha  e  air  a  radh  gu'n  d'  fhag  an  duine  ud 
meall  mor  airgid,  ach  ma  dh'  fhag,  cha  'n 
fhaca  mi  gu'n  d'  fhuair  a'  chuid  a  b'  aithne 
dhomhsa  d'a  chairdean  dad  dheth.  Thubh- 
airt  mi  ri  mo  choimhearsnach  gu  robh 
amharus  agam  nach  robh  an  t-airgiod  cho 
mhor  's  a  bha  an  t-ainm,  ma  bha  e  idir  ann. 

"Bha  e  ann,"  ars'  esan,  "agus  gu  leoir 
dheth." 

"Ma  bha  e  ann,"  thuirt  mise,  "c'aite  an 
deachaidhe?" 

"Chaidh,"  ars'  esan,  "do  Dhuneideann; 
dh'  ith  an  lagh  e." 

Mur  gabh  daoine  comhairle  Phoil  cha  ruig 
mise  a  leas  a  bhi  'n  dull  gu'n  seachain  iad 
an  lagh  ged  bheirinn-sa  comhairle  orra. 
Ach  m'  an  teid  thusa,  a  leughadair,  an  luib 
an  lagha  cuimhnich  gu  bheil  craos  air  an  lagh 
cho  farsuing  ris  a'  chraos  a  tha  air  cuartag 
mhor  a'  chuain,  agus  gu'n  itheadh  e  an 
saoofhal  uile  na'n  tugtadh  dha  e. 

Bha  tuathanach  ann  an  Cille-sgumain  a 
thilg  air  drobhair  de  mhuinntir  an  Obainn 
gu'n  d'  innis  e  breugan  dha  mu  ghamhuinn 
beag  peallach  a  reic  e  ris.  Cha  b'  fhiach 
an  gamhuinn  ceithir  puinnd  Shasimnach  air 
fad,  ach  bha  full  nan  daoine  teth  agus  na 
sporain  aca  Ian,  is  cha  deanamh  dad  eile 
feum  leo  ach  dol  gu  lagh.  M'  an  do  stad 
iad  chosd  an  gamhuinn  peallach  dhaibh 
dluth  air  da  cheud  not. 

Bhio'dh  tuathanach  Chille-sgumain  a' 
boilich  as  na  litrichean  sgaiteach  a  bhiodh  am 
fear-lagha  aige  fhein  a'  cur  gu  fear-lagha  an 
drobhair,  ach  uair  a  bha  e  anns  an  Oban  gu 
de  a  b'  iongantaiche  leis  na'n  da  fhear-lagha 
fhaicinn  a'  fagail  a'  bhaile  comhla,  cho 
companta  ri  da  bhalach,  agus  iad  a'  dol  a 
mach  gu  Gleanncruitein  a  chluich  golf.  Dh' 
fhosgail  sin  te  d'a  shiiilean  is  dh'  fhosgail  a 
chunntais  a  fhuair  e  an  te  eile. 

Ged  tha  meas  mor  agamsa  air  talantan  an 
luchd-lagha,  agus  g'ed  is  gasda  leam  a  bhi  'g 
an  cluinntinn  ag  argumaideachadh  ann  an 
cuirt,  is  fhearr  leam  an  argumaid  a  bhi  air 
a  deanamh  air  chosd  duine  eile  seach  air  mo 
chosd  fhein.  Go  riamh  a  chuala  dileab  a' 
tuiteam  an  lamhan  luchd-lagha  a'un  an  t- 
airgiod  a  bhi  air  itheadh  leis  an  lae'h  ? 


Air    2. 


1929. 


AN      LIGHICHE. 

Bheir  an  Tighearna  neart  d'a  shluagh. 
Salm  xxix,  11. 

Neart !  nach  e  sin  an  rud  a  tha  dhith  oimn 
uile !  Agus  nach  e  an  tiod'nlac  a  bu  phiiseile 
a  b'  urrainn  duinn  fhaotainn,  gu'n  tugadh 
Dia  air  falbh  an  anfhannachd  a  tha  anns  an 
fheoil,  no  annss  an  inntinn,  no  anns  an 
spiorad,  agus  gu'n  tugadh  e  dhuinn  neart; 
neart  a  dheanadh  ar  n-obair  aotvam  agus  ar 
cridheachan  sunndach ! 

Am  measg  gach  aobhair  a  tha  deanamh 
dhaoine  neo-shona  agus  a  tha  deanamh  am 
beatha  'n  a  h-uallach  dhaibh,  cha'n'eil  aobhar 
eile  a  tha  'g  a  dheanamh  sin  cho  trie  ri  cion 
neirt  is  cion  slainte.  Faodar  a  radh  mu'n 
dara  leth  de  dhaoine  nach  'eil  iad  an  dara 
cuid  tinn  no  slan.  Ged  tha  iad  air  an  casan 
agus  ag  obair  tha  an  ceum  trom  agus  an  obair 
'n  a  h-uallach  dhaibh,  agus  tha. iad  daonnan 
air  bheul  toirt  suas.  Cha'n'eil  sruth  na 
beatha  ach  a'  ruith  gu  fann  'n  an  cuislean. 
Tha  gach  la  dhaibh  mar  gu'm  biodh  seach- 
duin,  agus  gach  seachduin  mar  gu'm  biodh 
mios;  an  uair  a  sheallas  iad  air  thoiseach 
orra  agus  a  chuimhnicheas  iad  gu  bheil  corr 
agus  tri  clieud  la  aca  ri  chothachadh  fhathast 
m'  an  tig  a'  bhliadhna  gu  crich,  cha  mhor 
nach  toir  iad  thairis  uile  gu  leir. 

Ma  tha  tliusa,  a  leughadair,  a'  faireach- 
duinn  an  cion  neirt  so  annad  f6in,  no  ma  tha 
anfhannachd  na  feola  a'  milleadh  sith  do 
chridhe,  chomhairlichinn-sa  dhuit  greimeach- 
adh  air  a'  ghealladh  so  le  do  dha  laimh, 
Bheir  an  Tighearna  neart  d'a  shluagh.  Tha 
e  a  cheart  cho  furasda  do  Dhia  bodhig  duine 
a  neartachadh  's  a  tha  e  dha  anam  a  neartach- 
adh,  is  tha  e  a  cheart  cho  reusanta  do  dhaoine 
sealltainn  ri  Dia  air  son  slainte  cuirp  's  a  tha 
e  dhaibh  sealltainn  ris  air  son  grasan  an 
spioraid.  Tha  mlltean  de  dhaoine  anns  an 
t-saoghal  a'  feitheamh  gu  faighidinneach  air 
lighichean,  ag  iarraidh  slainte,  d'am  biodh  e 
fada  fada  na  b'  fhearr  feitheamh  gu  faighi- 
dinneach air  Dia.  Ach  feithidh  iad  air  na 
lighichean  is  caithidh  iad  am  maoin  uile  orra 
a  chionn  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  Facal  an 
Tighearna,  agus  a  chionn  nach  'eil  earbsa  aca 
gur  h-urrainn  Dia  d(^ideadh,  no  loinidh,  no 
eucail  cuirp  a  leigheas. 

Anns  an  leabhar  a  sgrlobh  StanJey  Jones  mu 
obair  Chriosd  anns  an  h-Innsibh  an  Ear  tha 
e  ag  innseadh  gu  robh  e  ann  an  droch  shlainte 


an  uair  a  thainig  gairm  thuige  Criosd  a 
shearmonachadh  do  na  h-Innseanaich 
ionnsaichte;  daoine  a  bha  air  an  oileanachadh 
ann  an  sgoil  a  cheart  cho  mhaith  ris  fh6in. 
Bha  eagal  air  an  obair  a  ghabhail  os  Ikimh ; 
a  dh'  aon  ni  cha  robh  e  cinnteach  as  a 
sgoilearachd  agus  as  a  bhuadhan  f^in  ri 
aghaidh  nan  daoine  foghluimte  ud,  agus  lud 
eile,  bha  briseadh  air  tighinn  air  a  shlainte  is 
cha  robh  e  a'  faireachduinn  aigne  no  neart 
ann  f^in.  Ach  thubhairt  e  ris  f^in  gu'n 
gabhadh  e  bliadhna  dha  f^in  ann  an  America  ; 
agus  an  d^idh  bliadhna  fois  gu'm  biodh  e 
ceart  gu  leoir. 

Chaidh  a'  bhliadhna  seachad  is  thill  e  do 
na  h-Tnnsibh  an  Ear,  an  diiil  toiseachadh  air 
obair  gun  dail,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a 
chaidh  e  air  tir  thainig  an  seann  rud  air  ais, 
is  b'  fheudar  dha  am  machair  fhagail  is  dol 
suas  do  na  beanntan  a  ris,  fad  se  no 
seachd  de  mhiosan. 
An  ceann  nine  dh'fheueh  e  ri  toiseachadh  air 
an  obair  anns  an  robh  a  chridhe  ach  bha  e  cho 
dona  's  a  bha  e  riamh.  Cha  robh  fhios  aige 
ciod  a  dheanadh  e,  no  ciod  an  taobh  an 
tionndadh  e.  Air  an  dara  laimh  bha  e  a' 
faicinn  dleasdanas  agus  cothrom  a  bha  Dia  a' 
cur  gu  soilleir  'ga  ionnsuidh,  ach  air  an 
laimh  eile,  bha  noart  a  chuirp  air  a  threigsinn 
gu  buileach. 

Bha  e  greis  ann  an  iom-chomhairle  agus 
air  bheul  inntinn  a  dheanamh  suas  dol  air 
ais  do  America  agus  obair  fhaotainn  air  an 
fhearann,  a  dh'  fheuohainn  am  b'  fheairrd  a 
shlainte  e,  ach  la  a  bha  e  ag  iirnuigh  leis  fein, 
agus  gun  e  a'  smuaineachadh  air  a  shlainte 
no  air  laigse  a  chuirp  idir,  chual  e  Guth  a' 
labhairt  ris,  A  hheil  thusa  thu  fein  deas  is 
ullaichte  air  son  na  h-oihre  a  ghairm  mi  th/u, 
' g  a  h-ionvsnidh. 

Bha  an  Giith  cho  laidir  soilleir  's  gu'n  do 
fhreagair  Stanley  Jones  e  mar  gu'm  biodh 
e  a'  freagairt  neach  a  bha  bruidhinn  ris. 

"Cha'n'eil  a  Thighearna,  cha'n'eil  mise 
deas,  oir  is  duine  gun  neart  gvm  tre^ir  mi ; 
tha  mi  ullamh." 

"Ma  dh'  fhagas  thu  sin  am  laimh-sa," 
fhreagair  an  Guth,  "gabhaidh  mise  curam 
dhiot  agus  gheibh  thu  neart  bhuam." 

Fhreagair  Stanley  Jones  anns  a'  mhionaid, 
"A  Thighearna,  tha  mi  'ga  do  ghabhail  aig  t' 
fhacal  agus  a'  deanamh  a'  chumhnanta  sin 
riut." 

Dh'  eirich  e  'n  a  sheasamh  'n  a  dhuine  hr. 
"Thainig,"   ars'  esan,    "tonn   air  thonn  de 


sliith  Dhe  a  steac-h  do  uio  cli)i<_llie.  Blia 
t'hioM  agam  gu  robh  laithean  mo  bhraigh- 
deanais  agus  mo  laigse  thairis,  oir  bha  mo 
eliorp  uile  air  a  lionadh  le  beatha  ghlormhor 
nacli  d'  fhairich  mi  riamh  roimhe.  Bha 
m'anam  agus  mo  chridhe  air  an  lionadla  le  a 
leithid  de  aoibhneas  's  nach  robh  fhios  agam 
CO  dhiu  a  bha  mi  air  neaudi  no  air  thalamh. 
Mo  chasan  a  b'  abhaist  a  bhi  cho  trom  dh' 
fhas  iad  cho  aotrum  's  nach  robh  mi  a' 
faireachduinn  gu  robh  iad  a'  beantuinn  ris 
an  rathad  idir,  an  uair  a  bha  mi  a'  coiseachd 
dhachaidh.  Cha'n  e  mhain  gu  rachadh  agam 
a  nis  air  m'  obair  a  dheanamh,  ach  bha  mi 
'g  a  deanamh  gun  sgiths;  ag  oibreachadh  fad 
an  la  is  fad  na  h-oidhche  gun  sgiths  fhaireach- 
adh  ann  am  fheoil.  An  corp  a  bha  'na 
chudthrom  agus  'na  uallach  dhomh  fad 
bhliadhnachan  cha  robh  fhios  agam  a  nis  gu 
robh  e  agam  idir.  Dh'  fhalbh  pian  agus 
laigse  agus  eucailean  mo  chuirp  bhixam  mar 
gu'n  robh  mi  air  diisgadh  a  droch 
bhruadar." 

Tha  fhios  agam  gle  mhaith  gu  bheil  moran 
de  na  bhios  a'  leughadh  na  duilleig  so  nach 
creid  aon  fhacal  de'n  naigheachd  so,  no  co 
dhiu,  gu'n  abair  iad  nach  do  thachair  dad 
do'n  duine  ud  ach  rud  a  bhios  a'  tachairt  trie 
gu  leoir  do  dhaoine  a  tha  buailteach  do  leann- 
dubh. 

Cha  b'e  leann-dubh  a  bha  air  Stanley  Jones, 
no  rud  coltach  ris,  ach  ciod  air  bith  a  bha 
cearr  air  a  bhodhig  leighis  Dia  e,  mar  a 
leighseas  Dia  gach  duine  eile  aig  a  bheil 
creideamh  'n  a  chumhachd  agus  a  ghabhas  ris 
an  tiodhlac  is  urrainn  e  a  thoirt  daibh. 

Tohar  7ia  heatha  tha  gu  dearbh 
Agadsa  Dhia  nan  dul. 

Mur  bithinn-sa  a'  creidsinn  gu'n  tug  Dia 
neart  is  slainte  do  chorp  an  duine  ud  nach  b' 
urrainn  na  dotairean  a  thoirt  da  cha'n 
ihnsinn  an  naigheachd  air  an  duilleig  so. 
Tha  mi  a'  creidsinn  na  naigheachd 
a  chionn  gu  bheil  mi  a'  creidsinn 
ann  an  Dia,  agus  ann  an  cumhachd  Dhe, 
agus  ann  am  Facal  Dhe,  far  a  bheil 
mlorbhuilean  is  comharran  de'n  t-seorsa  so 
air  an  gealltainn  do  dhaoine  a  dh'iarras  iad 
le  creideamh  is  urnuigh  dhurachdach. 
Dearhhaihh  mi  nis  Ids  an  ni  so,  tha  lehobJiah 
nan  shiagh  ag  rcidh,  mur  fosgail  mi  dhiiibh 
uinneagan  nan  neamh,  agus  mur  ddirt  mi 
mack  beannachd  oirbh,  g^i-s  nach  hi  ait  ann  'g 
a  churnail.  Le  cion  creidimh  cha'n'eil  sluagh 
an  Tighearna  an  diugh  a'  tagar  ach  oisean 
beag  de'n  oighreachd  mhor  a  thug  e  dhaibh  ; 
coltach  ri  sluagh  Israeli  m'am  bheil  an 
Salmadair  ag  innseadh,  tha  iad  a'  cur 
teadhair  air  Dia;  tha   iad   ag  radh   ris,   gu 


ruige  so  theid  Thu  ach  cha  teid  na's  fhaide. 
Creididh  iad  gur  hurrainn  Dia  duiuo 
iompachadh  agus  maitheanas  peacaidh  a 
thoirt  da,  ach  cha  chreid  iad  gu  bheil  Dia  a' 
gabhail  gnothuich  ri  eucailean  na  h-inntinn, 
agus  idir  idir  cha  chreid  iad  gu  bheil  feum 
ann  dhaibh  sealltainn  ris  air  son  leighis  do 
eucailean  an  cuirp.  Sin  an  seorsa  dhaoine 
m'  an  dubhairt  an  t-abstol  Seumas  gu  bheil 
inntinn  dhubhailt  aca ;  le  aon  taobh  d'  an 
inntinn  tha  iad  a'  creidsinn  ann  an  Dia  ach 
leis  an  taobh  eile  d'  an  inntinn  tha  teagamh 
aca  ann.  Na  saoileadh  na  daoine  siti  gu'm 
faigh  iad  ni  air  bith  o' n  Tighearna. 

Bheir  an  Tighearna  neart  d'a  shluagh. 
Bheir  gun  teagamh.  C'aite  eile  a  bheil  an 
neart  agus  a'  bheatha  a  tha  dhith  air  ar  cuirp 
agus  air  ar  spiorad  ach  ann  an  Dia.  Na 
biodli  eagal  ort,  mata,  laigse  is  eucailean  do 
bhodhig  innseadh  dha  agus  iarraidh  air  an 
t-uallach  sin  a  thogail  dhiot,  agus  ma's  leir  do 
Dhia  gu  bheil  thu  ag  iarraidh  sin  gu  h- 
onorach  los  gu'm  bi  e  na's  fhasa  dhuit  a  thoil 
fein  a  dheanamh  agus  obair  fein  a 
choimhlionadh  anns  an  t-saoghal  freag- 
raidh  Dia  t'urnuigh.  Ach  ma's  ann 
air  son  reusan  eile  a  tha  thu  ag 
iarraidh  saorsa  o'n  uallach,  air  son  comh- 
fhurtachd  na  feola,  no  air  ghaol  pian  a 
sheachnadh,  no  air  ghaol  sunndachd 
shaoghalta  a  shealbhachadh, — ceasnuich  do 
choguis  a  ris  m'  an  iarr  thu  air  Dia  a 
dhoighean  agus  a  riaghailtean  agus  a 
laghannan  athar rachadh.  'N  ar  n-iirnuig- 
hean  feumaidh  sinn  am  facal  so  a 
chuimhhneachadh  daonnan.  Ma  bheir  rni  s'peis 
do  euceart  'n  am  chridhe,  cha'71  eisd  an 
Tighearna  riiim. 


ANNS    A    CHATHAIR. 

Am  measg  nan  tiodhlaean  a  fhuair  mi  aig 
an  NoUaig  fhuair  mi  o  charaid  coir  leabhar  a 
bha  air  a  sgriobhadh  mu'n  Ghaidhealtachd  le 
Sasunnach.  Is  e  ainm  an  leabhair,  Beann- 
tan,  Lochan,  agus  Cladaichean  na  Gaidhealt- 
achd  an  lar ;  agus  ainm  an  duine  a  sgriobh  e, 
Artur  Gardner,  M.A.,  F.S.A. 

Cha'n'eil  dad  sonraichte  anns  an  leabhar 
a  thaobh  eolais  no  Eosrachadh  mu'n  Ghaidh- 
ealtachd nach  robh  agam  cheana,  ach  tha  corr 
agus  coig  fichead  dealbh  ann  a  tha  cho 
maiseaeh  's  gu'm  1>'  fhiach  an  leabhar  a  dha 
phris  's  a  tha  e  air  sgath  nan  dealbh  sin  fein. 
Cha'n'eil  e  a'  cosd  ach  leth  gini  ;  cha'n  aithne 
dhomh  cuimhneachan  eile  air  an  t-seann 
duthaich  a  bu  fhreagarraiche  dhuit,  a 
leuR'hadair,  a  chur  gu  cairdean  a  chaidh  do 


Chanada  no  dli'  Astralia.  Chuireadh  e 
iuniidiaiiui  agUB  .solas  "u  an  ci'idheachan,  is 
■  bheiieadh  e  thuca  iia  h-eileanau  an  lar  'n  am 
bruadar. 

Bha  e  na  b'  fhasa  do'n  t-Sa^unnach  na 
l)eanntan  a  dhireadh  na  Ijha  e  dlia  an  ainmean 
a  radh  ann  an  Gaidhllg.  Sin  a  thug- 
air  a  radh  gu  bheil  ainmean  grannda 
air  moran  de  blieanntan  na  Gaidhealtachd, 
agus  gur  cainnt  a'  Ghaidhlig  anns  nach  'eil 
rian  no  riaghailt  a  thaobh  a  litreachaidh. 
Leigidh  mi  le  daoine  eile  achmhasan  a  thoirt 
dha  ail  a  shon  sin,  oir  thvig  na  dealbhan 
iiiread  toilinntinn  dhonih  fein  's  gu'n 
tugainn  maitheanas  do  ]\Ihaighstir  Gardner 
gad  dh'  abradh  e  rnd  a  bu  mhiosa  na 
tliubhairt  e.  Ach  cha'n'eil  cluas  no  ceol  ann 
an  duine  air  bith  nach  fhairich  a  chridhe  a' 
toirt  leum  as  an  uair  a  chluinneas  e  na  h- 
ainmean  sin,  ainmean  air  a  bheil  bias  na 
meala,  mar  dubhairt  Coinneach  Mac  Leoid ; 
agus  mar  bheil  ceol  an  cluas  's  an  cridhe 
Choinnich  c'aite  idir  a  bheil  el 

Tha  na  dealbhan  so  uile  maiseach  ach  tha 
cuid  dhiubh  a  tha  barraichte  a  thaobh  gloire, 
gu  sonraichte  an  fheadhainn  anns  am  faicear 
neoil  is  muir  is  eileanan  na  h-airde  an  lar. 
Ged  bhios  daoine  ag  radh  gur  e  an  aon  speur 
a  tha  liibadh  os  cionn  na  h-Alba  uile,  siar  is 
sear,  tha  miighadh  mor  eadar  an  speur  agus 
na  neoil  a  chithear  ann  an  Atholl  agus  an 
speur  agus  na  neoil  a  chithear  ann  an 
Uidhist,  barrachd  mughaidh  's  a  tha  eadar  na 
daoine,  agvis  is  mor  sin.  Annta  fein  cha 
'n'eil  na  h-eileanan  idir  cho  boidheach  ris  an 
fhearann  a  tha  air  tlr-mor  na  h-Alba ;  tha  iad 
greannach  is  creagach  is  lom,  ach  air  uairean, 
aig  airde  mhara  an  dol  fodha  na  greine,  chith- 
ear gloir  is  maise  anns  na  h-eileanan  nach 
fhacas  riamh  air  machair  Alba.  Ach  buinidh 
a'  ghloir  sin,  cha'n  ann  do'n  fhearann, 
ach  do'n  chuan  agus  do'n  speur.  Cha'n'eil 
CoUa  is  Tiriodh  ach  gu  maith  lom  is  luideag- 
ach  an  coimeas  ri  Dun-chailleann  no  ri  Rata- 
mhurchuis,  ach  tha  tri  fichead  la  anns  a' 
bhliadhna  anns  a  bheil  an  speur  a'  sileadh 
gloire  agus  an  cuan  a'  deanamh  iolaich  ann 
an  Colla  agus  ann  an  Tiriodh  mar  nach  do 
rinn  spevir  no  monadh  riamh  an  Dun- 
chailleann  no  an  Rata-mhurchuis. 

Tha  am  pios  as  maisiche  a  dh'  Albainn  suas 
eadar  an  Rudha  Murchannach  agus  Rudha 
Stoir  an  Cataobh.  Fad  an  t-siubhail  tha  an 
cladach  air  eagadh  mar  gu'm  biodh  bevil 
saibh  ;  baghan  is  lochan  a'  fosgladh  far  nach 
robh  duil  agad  riutha,  a'  leigeil  leis  a'  mhuir 
a  greus-obair  fhein  a  chur  air  a'  chladach 
mar  nach  b'  urrainn  cumhachd  eile  fo'n 
ghrein  a  dheanamh.  Eadar  an  da  Rudha 
ud  <"hi  thu  Eige  agus  Riun  ;  Uidhist  agus  an 


I  t-Eilean  Sgitheanach ;  chi  thu  Loch  Muideart 
I  is  Loch  nan  Uamh ;  Loch  Morar  is  Loch 
Nibheis  is  Loch  lutharn ;  Loch  Duich  is  Loch 
Carrann  ;  thi  thu  an  Cuilionn  Sgitheanach  is 
beanntan  Thoii'bheartan ;  an  Sleaghach,  an 
Teallach,  is  beinn  Eighe  ;  chi  thu  sin  agus  mile 
sealladh  eile  nach  'eil  a  choimeas  ri  fhaicinn 
ann  an  aite  air  bith  fo'n  ghrein.  Na'n  robh 
an  t-sid  na  b'  fhearr-na  tha  i  anns  na  h- 
eileanan  an  lar  bu  mhaith  am  flaitheanas 
do  dhuine  a  chomhnuidh  a  bhi  annta  gu  brath. 
Ach  tha  an  t-sid  dona  dona,  a'  freagairt  air 
roin  is  tunnagan  na's  fhearr  na  fhreagras  i 
air  daoine. 

An  e  an  t-sld  as  coireach  gu  bheil  an 
sluagh  a'  fas  gann  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
agus  anns  na  h-eileanan?  Cha'n  urrainn  mi 
a  radh,  ach  clia'n  e  mhain  gu  bheil  an  sluagh 
a'  fas  gann  ach  tha  ur  canain  a'  dol  air 
a  h-ais  cuideachd.  Is  ann  gle  annamh  a 
thachras  duine  og  riut  anns  a'  Ghaidhealtachd 
an  diugh  as  urrainn  seanchas  a  dheanamh 
riut  ann  an  Gaidhlig  cheart,  no  air  na 
nithean  a  b'  aithne  d'a  sheanair.  Cha'n'eil 
teagamh  nach  'eil  eolas  aig  an  ogha  air 
nithean  nach  b'  aithne  d'a  sheanair,  ach  gu 
bitheanta  tha  e  na's  aineolaiche  air 
eachdraidh  a  dhiithcha  agus  air  eachdraidh  a 
chinnidh  fein  na  bha  a  sheanair,  agus 
cha'n'eil  e  cho  furasda  dha  a  smuaintean 
innseadh  ann  an  Gaidhlig  's  a  bha  e  d'a 
athair  agus  d'a  sheanair. 

An  uair  a  theid  mi  air  m'  ais  do  Chille- 
sgumain  cha  liihor  gu'n  tachair  duine  an 
diugh  orm  a  tha  loinn  is  bias  air  an  seanchas 
ann  an  Gaidhlig  ach  a  mhain  Calum 
Domhnullach,  an  seana  bheadall,  agus  Seon- 
aid  Eachainn.  An  uair  niu  dheireadh  a  bha 
mi  ann  chaidh  mi  ann  an  seanchas  ri  buidh- 
eann  bhalach  anns  an  sgoil,  a  bha  a'  cluich  air 
an  raon  aig  uair  na  dinnearach.  Theirinn  gu 
robh  iad  eadar  aona  bliadhna  deug  agus 
ceithir  deug;  balaich  a  bha  uile  air  an  togail 
ann  an  dachaidhean  far  an  robh  Gaidhlig  air 
a  bruidhinn,  co  dhiii  seorsa  dhith.  Dh' 
fharraid  mi  dhiubh  mu'n  Righ  agus  mu  Mhac 
Cailein,  ach  cha  robh  fhios  aca  air  an 
t-saoghal  CO  Mac  Cailein  ;  cha  chual  iad  an 
t-ainm  riamh.  Dh'  fharraid  mi  dhiubh  am 
b'  aithne  dhaibh  Mac  Mhaigstir  Alasdair,  no 
Mac  Mhic  Ailein,  no  Fionn  Mac  Cumhail, 
no  Iain  Lom.  Thuirt  iad  nach  b'aithne  ;  cha 
chual  iad  riamh  iomradh  orra.  Dh' 
fharraid  mi  an  sin  dhiubh  an  robh  fhios  aca 
CO  a'  bhliadhna  anns  an  robli  blar  Chille- 
crankie  air  a  chur.  Bha  fhios  aca  air  sin; 
CO  dhiii  aig  a  chuid  bu  mho  dhiubh,  ach  cha 
robh  fkios  aig  gin  dhiubh  air  a'  Ghaidhlig 
air  Cilliecrankie,  is  cha  mho  a  chual  iad 
riamh  iomradh  air  Iain  Duhh  nan  Oath,  ged 


is  e  sin  an  t-aimn  a  gheibheadh  Claverhouee 
anns  na  eeann  naigheachdan  G&,idhealach 
a  bha  air  innseadh  uime. 

Lean  mi  air  seanchas  ris  na  balaicli  greis 
mhaith,  is  fhuair  mi  a  mach  bhuapa  gu 
robh  iad  eolach  gu  leoir  air  bocsairean  an  la 
diugh  agus  air  feadhainn  a  tha  maith  air 
ruith  is  leum,  eadar  an  t-Oban  agus  Lunn- 
ainn,  ged  nach  'eil  anns  na  bocsairean  sin 
ach  ceatharnaich  cho  suarrach  's  nach 
leigeadh  Fionn  a  steach  am  measg  a  dhaoine 
iad.  Dh'  innis  mi  dhaibh  mu  Chaoilte, 
duine  a  bha  cho  luath  an  uair  a  rachadh  e 
gu  fhulangas  aig  Ian  astar  's  gu'n  saoileadh 
an  fheadhainn  a  bhiodli  a'  sealltainn  air  gu 
robh  iad  a"  faicinn  tri  daoine,  le  luathas  a 
shiubhail.  An  uair  a  chual  iad  sud  sheall 
iad  air  a  cheile  mar  gu'm  biodh  amharus 
'gam  bualadh  gu  robh  mi  a'  tarruing  asda. 
Ach  cEa  robh  idir,  a  leughadaii- ;  bha  Caoilte 
cho  luath  sid  gun  teagamh. 

Dh'  innis  mi  mu  na  balaich  ud  ann  an 
Cille-sgumain  gus  a  leigeil  fhaicinn  gu  bheil 
atharrachadh  mor  a'  tighinn  air  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  air  dSighean  is  inn- 
tinnean  nan  Gaidheal,  fo  ar  suilean.  Cha 
'n  e  gu  bheil  sinn  a'  call  rud  beag  an  sid 
agUvS  rud  beag  an  so;  6rain  is  ubagan  is 
rannan  is  eachdraidh  nach  robh  air  an 
cruinneachadh  ann  an  am,  ach  gu  bheil  an 
seann  saoghal  uile  gu  leir  a  dol  as  an  t-seal- 
ladh,  an  t-e^las  agus  an  t-oilean  a  bha  aig 
ar  n-aithrichean.  Tri  fichead  bliadhna 
roimhe  so  bha  fhios  aig  a  h-uile  croitear  is 
ciobair  is  iasgair  anus  a'  Ghaidhealtachd  c6 
Mac  Cailean,  is  Mhac  Dh(Smhnuill  He,  is  Iain 
Dubh  nan  Cath,  agus  na'm  biodh  uine  agad 
suidhe  comhla  riu  dh'  innseadh  iad  dhuit 
naigheachdan  lunpa  fad  an  latha,  agus 
naigheachdan  mu  eachdraidh  na  Gaidheal- 
tachd  nach  robh  riamh  air  an  sgriobhadh  ann 
an  leabhar.  A  thuilleadh  air  sin  bha  na 
mlltean  sreath  de  bhardachd  Ghaidhlig  aca 
air  an  teangaidh,  obair  Dhonnacha  Bhain,  is 
Rob  Duinn,  is  Iain  Luim,  is  Dhughaill 
Bochanan. 

Mur  robh  goireasan  is  sochairean  aig  na 
daoine  sin  a  tha  againne  an  diugh, 
paipearan  naigheachd,  is  sgoilean,  is  leabh- 
raichean,  bha  oighreachd  mhaith  gvi  leoir  aca. 
B'  aithne  dhaibh  eachdraidh  an  duthcha  agus 
eachdraidh  an  cinnidh  fein  agus  chinnidhean 
eile  mar  nach  aithne  do  mhuinntir  na 
Gaidhealtachd  an  diugh.  Cha' n 'eil  sgoil 
anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh,  eadar 
sgoilean  beaga  Chille-sgumain  is  sgoilean 
mora  an  Obain  agus  lonarnis  anns  nach  'eil 
barrachd  fiosrachaidh  aig  na  sgoilearan  mu 
threubhan  Innseanach  na  tha  aca  mu  na 
finneachan    Gaidhealach.     Cia    meud    balach 


ann  am  baile  lonarnis  a  b'urrainn 
naigheachd  innseadh  dhuit  air  Fionn 
Mac  Cumhail?  Tha  cuid  de  na  balaich 
sin  a'  call  dath  an  aodainn  agus 
liiths  an  easgaidean  a'  feuchainn  ri  Homer 
a  levighadh  ann  an  Greigis,  rud  a  tha  a' 
fairtleachadh  orra  gu  buileach,  an  uair 
a  bhiodh  e  fada  fada  na  b'  fhearr  dhaibh  a 
bhi  ag  ionnsachadh  mu  Fhionn  Mac  Cumhail 
agus  mu  Chaoilte  agus  mu  Gharbh  Mac 
Stairn  ann  an  Gaidhlig,  a  tha  aca  cheana. 
Tha  suilean  an  amadain  ann  an  iomall  na 
tahnhainn. 


Ged  nach  bu  mhaith  leam-sa  aideachadh 
gur  h-amadan  mi  fhein  (ma'n  aidichinn  sin 
dheanainn  argumaid  uime)  feumaidh  mi  a 
radh  nach  robh  mo  shuilean  fein  air  an 
glaodhadh  ris  a'  phaipeir  a  tha  m'  am 
choinneamh  mar  bu  ch6ir  daibh  a  bhith. 
Fad  na  h-uine  an  diugh  a  bha  mi  a' 
sgriobhadh  duilleagan  a'  mhios  so  bha  mo 
shuil  an  drasd  's  a  rithist  a  mach  air  an 
uinneig,  oir  bha  an  sneachd  a'  tuitean,  is 
bha  an  saoghal  cho  maiseach  air  taobh  eile 
na  h-uinneig  's  gu  robh  fadal  orm  gus  am 
biodh  m'  obair  ullamh  agus  am  faodainn  dol 
a  mach  a  shealltuinn  air  maise  an  t-saoghail. 

Ged  bhios  mi  air  viairean  a'  guidhe  gu  robh 
na  tha  agam  de  fhearann  ann  an  grunnd 
na  h-Atlantic,  leis  cho  duilich  agus  cho  drag- 
hail  's  a  tha  e  a  chumail  an  ordugh,  thig  la 
an  drasd  's  a  rithist  anns  am  faigh  mi  solas 
anns  a'  Choille  Bheithe  a  chuireas  gach  dragh 
agus  gach  carraid  dhiubh  sin  as  mo 
chuimhne.  Agus  is  e  aon  de  na  laithean  sin  la 
anns  a  bheil  sneachd  trom  a'  tiiiteam,  agus 
a'  tuiteam  cho  samhach  ciuin  's  gu  bheil  e  a' 
fantuinn  air  (geugan  nan  craobh,  agus  a' 
deanamh  dhealbhan  nach  fhacas  riamh  an 
leithid  am  b6idhchead. 

Cha  'n  aithne  dhomh  dad  idir  as 
inntinniche  na  sraid  a  ghabhail  anns  a' 
choille  an  deidh  do  shneachd  tuiteam,  gus 
leantail  air  lorg  nan  creutairean  fiadhaich 
nach  fhaicear  anns  an  la  ach  a  thig  a  mach 
ann  an  ciaradh  nan  trath,  a'  fagail  com- 
harran  an  siubhail  anns  an  t-sneachd.  Cha'n 
ann  air  ghaol  an  itheadh,  no  a  dheanamh 
cron  air  bith  orra,  a  bhios  mise  a'  lorgachadh 
nan  creutairean  laghach  sin,  ach  air  ghaol 
m'  eolas  a  mheudachadh  air  an  gne  agus  air 
an  doighean,  agus  air  oibre  miorbhuileach  a' 
chruthachaidh. 

A  cheart  cho  luath  's  a  ruigeas  mi  bonn  na 
duilleig  so  cuiridh  mi  orm  brogan  tacaideach, 
agus  gabhaidh  mi  sgriob  do'n  Choille  Beithe, 
agus  theagamh  gu'm  faic  mi  rudeigin  innte 
air  an  dean  mi  seanchas  ruit  la  eile,  a 
leughadair, 


Air    3. 


1929. 


AOIBHNEAS    CHRIOSD. 

A  nigheana  lerusaleim,  na  guilihh  air  mo 
skonsa.     Lucas  xxiii,  28. 

Am  measg  na  cuideachd  a  lean  losa  gu 
Calbhari  tha  Lucas  ag  innseadh  g-u  robh 
m6ran  bhan,  a  hha  ri  hron  agus  'g  a 
chaoineadh.  Cha  robh  ionghnadh  ged  bha, 
oil-  bha  gradh  mor  aca  dha.  x\ch  thionnd- 
aidh  esan  agus  thubhairt  e  riu,  "A  nigheana 
lerusaleim,  na  guilibh  air  mo  shonsa,  ach 
guilibh  air  'ur  son  fein  agus  air  son  'ur 
cloinne."  Ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh  leis 
an  fhacal  sin,  agus  c'ar  son  a  chaisg  e  na 
mnathan  1 

Shaoileamaid  gu'm  biodh  co-fhaireaeh- 
duinn  agus  deoir  nam  ban  'n  an  comhfhurt- 
achd  dha  'na  fhuLnngas.  Bha  daoine  eile  am 
measg  na  cuideachd  ud  nach  do  rinn  gul  air 
a  shon,  a  chionn  gu  robli  iad  caoin-shuarrach 
uime;  cha  do  thaisich  an  eridhe-san  is  clia 
tainig  deur  air  an  suil.  B'  aithne  do 
Chriosd  sin,  is  faodar  a  bhi  cinnteach  g"U 
robh  e  toilichte  'na  chridhe  gu  robh  na 
mnathan  ud  cho  caomhail  ris  agus  gu'n  do 
sh'il  iad  na  deoir.  An  am  deuchainn  no 
Irioblaid  tha  co-fhaireachduin  ar  cairdean  'na 
chuideachadh  agus  'n  a  chomh  fhurtachd 
dhuinn  uile,  is  cha  robh  esan  de  atharrachadh 
ghne  o  bhraithrean.  Ach  air  a  shon  sin,  chaisg 
e  na  mnathan  is  thubhairt  e  riu  nach  ann  air 
a  ishonsan  a  bu  choir  dhaibh  a  bhi  gul  idir, 
ach  air  an  son  fein  agus  air  son  an  cloinne. 
Cha  robh  feum  aig-e  air  truas  dhaoine,  is  cha 
leigeadh  e  leo  a  shaoilsinn  gu  robh  e  a'  dol 
gvi!  Calbhari  'n  a  aindeoin.  Cha  b'e  bron  a 
bha  'n  a  chridhe  fein  ach  aoibhneas,  aoibhneas 
a  bha  do-labhairt  is  Ian  de  ghloir. 

Thuig  Criosd  gu  robh  Calbhari  air 
thoiseach  air,  agus  gu'm  feumadh  e  moran 
nithean  fhulang,  fada  m'  an  do  thuig  na 
deisciobuil  e  ;  leugh  e  comharraidhean  na  h- 
aimsire  am  feadh  's  a  bha  an  suilean-san 
f'athast  diiinte.  Bha  so  daonnan  fa  chomhair 
inntinn,  gfu'm  feumadh  e  fulang  m'an  rach- 
adh  e  a  steach  d'a  ghloir.  Uair  is  uair  eile 
dh'  fhaodadh  e  tionndadh  air  falbh  o 
Chalbhari  agus  an  crann-ceusaidh  a  sheach- 
nadh,  is  chomhairlich  a  dheisciobuil  dha  sin  a 
dheanamh,  ach  leig  e  le  comhairle  agus  le  run 
a  chridhe  fein  seasamh.  An  mqmn  a  thug  m' 
athair  dhomh  ri  61  nach  61  m4  e  1 

Cha'n'eil  e  ceart  duinn  a  bhi  smuain- 
eachadh  air  Criosd  mar  gu'n  deachaidh  e  ffu 


Calbhari  an  aghaidh  a  sholuis  no  an  aghaidh 
a  thoile,  a'  cromadh  a  chinn  le  naire.  Bha 
naire  gu  leoir  anns  a'  chrann-cheusaidh,  ach 
cha  b'  ann  dhasan.  Bha  a  chridhe-san  Ian 
aoibhneis.  Ged  bha  fheoil  agus  fheithean  a' 
fulang  bha  a  chridhe  an  taobh  a  stigh  dheth 
a'  deanamh  gairdeachais  :  bha  aran  aige  r'a 
itheadh  nach  b'  aithne  do'n  t-saoghal,  no  ma 
dh'  fhaodar  an  samhladh  atharrachadh  bha 
tobraichean  beo  aig  Criosd  as  an  robh  e  a' 
tarruing  aoibhneis  gun  sgur.  Ciod  iad  na 
tobraichean  sin  ? 

L  B'e  aon  de  na  tobraichean  sin. 
naomhachd  is  uaisle  a  bheatha  fein.  0 
bhreith  gu  bhas  ghluais  e  maille  ri  Dia,  gun 
pheacadh.  Is  e  so  miorbhuil  as  mo  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh,  iongantas  as  mo  na  gu'n 
do  thog-adh  am  marbh.  B'e  a  bhiadh  agus  a 
dheoch  toil  Athar  a  dheanamh,  is  cha  b' 
aithne  dha  ann  fein  ni  air  bith  a  bhuineadh 
do'n  pheacadh  no  do  Phrionnsa  an  t-saoe-hail 
so.  iha  seorsa  sonais  ann  air  an  ruig  daoine 
gun  naomhachd,  an  sonas  a  bhuineas  do'n 
fheoil ;  ach  tha  seorsa  eile  ann,  an  sonas  as 
airde,  air  nach  ruig  duine  air  bith  ach  na 
naoimh  a  tha  glan  'n  an  cridhe,  g-ed  bhiodh 
an  cridheachan  air  an  rannsachadh  le  mile 
coinneal.  B'e  sin  an  sonas  a  bha  aig  Criosd ; 
sonas  nach  b'  urrainn  an  saoghal  a  thoirt  da 
no  thoirt  bhuaith.  Bha  a  bheatha  neo- 
shocrach  air  iomadh  doigh ;  bha  e  gun  tigh 
gun  dachaidh,  agus  air  uairean  gun  aite  anns 
an  leagadh  e  a  cheann,  ach  cha  do  mhill  sin  a 
shith  is  cha  do  chuir  e  searbhadas  'n  a  chridhe, 
oir  bha  a  shith  air  a  tarruing  a  tobar  a  bu 
doimhne  na  comhfhurtachd  na  feola.  Cha  'n 
ann  le  aran  a  mhain  a  bheathaichear  duine  ach 
leis  gach  uile  fhacal  a  thig  o  bheul  Dhe. 

IL  B'e  aon  de  na  tobraichean  eile  as  an 
do  tharruing  Criosd  a  shith,  gu  rohh 
Jdthaireachd  Dhe  aige  gum  sgur.  B'e  Dia 
grian  anama,  is  cha  tainig  neul  dorcha  riamh 
eadar  e  fein  agus  a'  ghrian  sin,  is  cha  do 
bhriseadh  an  co-chomunn  a  bha  aige  ri  Dia. 
Faodar  a  radh  uime  mar  nach  fhaodar  a  radh 
mil  neach  ai)-  bith  eile,  gu'n-  do  chreid  e  Dia. 
Tha  sinne  ullamh  gu  bhi  saoilsinn  gu  robh  e 
furasd  dhasan  sin  a  dheanamh,  a  thaobh  na 
daimhe  anns  an  robh  e  ri  Dia.  Ach  an  uair  a 
thainig  Mac  Dhe  do'n  t-saoghal  anns  an 
fheoil  rinneadh  coltach  r'a  bhraithrean  e  anns 
na  h-uile  nithibh,  air  chor  agus  nach  robh 
doigh  eile  aige  air  anam  a  bheathachadh  ach 
an  doigh  a  tha  fosffailte  dhuinn  uile,  le 
urnuigh    agus   le    bhi    fantuinn    ann    an   co- 


10 


ohomunn  Dhe.  Cha  b'  ann  le  cumliachd  a 
dhiadhachd  a  thug  e  buaidh  air  an  t-saoghal 
ach  le  naomhachd  a  dhaonnachd.  Thubhairt 
e  I'is  na  deisciobuil  gu  robh  nithean  ann  nach 
b'  aithne  dha ;  gu  robh  nithean  ann  nach  b' 
urrainn  e  a  dheanamh ;  agus  nithean  ann 
nach  b'  urrainn  da  a  thoirt  daibhsan.  Cha 
b'  ann  mar  Dhia  ach  mar  dhuine  a  rinn  e 
obair  anns  an  t-saoghal,  agus  dh'  fheum  e 
a  thaic  a  leigeil  air  Dia  agus  anam  a  bheath- 
achadh  air  facal  Dhe  coltach  r'a  bhraithrean. 
Bha  amannan  ann  am  beatha  Chriosd  anns  an 
robh  e  fada  fada  na  bu  duilche  dha  ereidsinn 
ann  an  Dia  na  tha  e  dhuinne,  amannan  anns 
am  faodadh  amharus  tighinn  'n  a  chridhe 
nach  robh  Dia  ann  idir,  no  ma  bha  e  ann, 
nach  robh  e  a'  gabhail  gnothuich  ri  ciirsa  an 
t-saoghail,  no  a'  gabhail  taoibhe  ris  an  fhirein 
na's  m6  na  ris  an  aingidh.  Ach  cha  do  leig 
e  riamh  leis  an  amharus  sin  tuineachadh  'n  a 
chridhe;  a  dh'  amdeoin  sealladh  nan  siil  is 
searbhadas  an  fhreasdail  lean  e  air  a  chreid- 
sinn  gu  robh  an  Tighearna  ceart  'n  a  uile 
shlighean  is  naomh  'n  a  uile  ghnioiuharra  ;  le 
iirnuigh  agus  le  umhlachd  d'a  fhacal  chum  e  e 
fein  ann  an  co-chomunn  Dhe,  air  chor  agus 
gu'm  b'  urrainn  e  a  radh  gach  uair  agus 
mionaid  d'a  bheatha,  "Cha'n'eil  mi  am 
aonar,  oii'  feuch  tha  an  t-Athair  maille  riuni." 
Agus  an  uair  a  tha  faireachduinn  aig  duine 
air  lathaireachd  Dhe  agus  co-chomunn  aig  a 
spiorad  ri  Dia  tha  tobar-aoibhneis  'n  a 
chridhe  nach  urrainn  uile  thrioblaidean  an  t- 
saoghail  a  thraghadh. 

III.  B'e  aon  eile  de  na  tobraichean  as  an 
do  tharruing  Crio^d  aoibhneas,  an  t-se.irhhis 
a  bha  e  a'  deanamh  d'a  hhrdithrean.  Cha 
tainig  e  do'n  t-saoghal  chum  gu'n  deantadh 
frithealadh  dha  ach  a  fhrithealadh  do  dhaoine 
eile,  is  dbearbh  e  'n  a  bheatha  fein  gu  bheil  e 
na's  beannaichte  ni  a  thabhairt  na  ghabhail. 
Cha  'n  urrainn  duine  aig  a  bheil  spiorad 
na  feineileachd  a  bhi  gii  brath  sona, 
duine  nach  smuainich  air  cor  no  air 
ciiisean  dhaoine  eile  ach  a  mhain  air  a 
chor  agus  air  a  ghnothuichean  fein.  Saoilidh 
sinn  air  uairean  gu'm  bitheamaid  sona  na'm 
faigheamaid  na  tha  dhith  oirnn ;  na'm 
faigheamaid  na  ceud  chaithrichean  agus  na'n 
deanamh  daoine  eile  seirbhis  dhuinn,  ach  cha 
b'e  sin  an  t-slighe  air  an  do  rainig  Criosd  air 
aoibhneas,  agus  cha  mho  is  e  sin  an  t-slighe 
air  an  ruig  daoine  an  diugh  air  an  t-sonas  as 
airde,  an  rud  ris  an  abradh  Criosd  rioghachd 
Dhe.  Theireadh  tu  gu'm  biodh  duine  air  bith 
sona  ab'urrainn  a  radh  gu'n  do  choimhead  e 
na  h-aitheantan  o  oige ;  thachair  a  leithid  sin 
de  dhuine  air  Criosd  ach  dh'  aidich  e  nach 
robh  e  sona.  Dh'  iarr  Criosd  air  na  h-uile 
nithe  a  bha  aig©  a  reic  agus  a  roinn  air  na 


buck  dan  agus  e  fein  a  leantuinn,  agus  an  sin 
gu'm  biodh  e  sona.  Is  e  sin  r'a  radh,  bha 
fhios  aige  nach  tainig  e  riamh  an  inntinn  an 
duine  shaoibhir  ud  seirbhis  a  dheanamh  d'a 
bhraithrean.  Cha'n  ann  am  mor-phailteas 
nan  nithean  a  tha  sinn  a'  sealbhachadh  a 
glieibh  sinn  aoibhneas  ■  gle  bhitheanta  cha'n 
'eil  am  jjailteas  sin  a'  toirt  'n  a  lorg  ach  dragh 
is  ro-chiiram.  Thig  an  sonas  so,  gun  fhios 
daibh  fein,  gu  daoine  caomhaii  criosdail  a 
bhios  a'  giulan  uallaichean  am  braithrean. 
Tha  e  a'  tachairt  trie  gu  leoir  gu'm  feum  aon 
air  chor-eigin  ann  an  teaghlach  cudthrom 
chaich  is  uallach  an  teaghlaich  a  ghabhail  air 
a  ghuaillean,  agus  na  nithean  a  bha  anns  an 
t-sealladh  aige  fein  a  leigeil  seachad  air  an 
sgath.  Their  an  saoghal  gur  truagh  a 
thachair  do'n  mhac  no  do'n  nighinn  a  rinn 
sin,  ach  tha  mile  doigh  aig  Dia  air  duais  a 
thoirt  do  dhaoine  a  ni  an  rud  caomhaii  agus 
an  rud  uasal,  agus  is  docha  nach  'eil  iad  ann 
an  eisiomail  truas  an  t-saoghail,  a  chionn  gu 
bheil  sith  is  aoibhneas  aca  'n  an  coguis  is  'n 
an  cridhe  fein  nach  biodh  aca  gu  brath  na'n 
do  ghabh  iad  rathad  eile.  An  duine  nach 
abair  la  deug  's  a'  bhliadhna  ach  thoir  dhomh, 
thoir  dhomh,  sin  agad  duine  nach  blais  gu 
brath  an  sonas  agus  an  t-aoibhneas  as  airde. 
Thug  Criosd  na  bha  aige  do  dhaoine  eile, 
iiine  agus  a  shaothair  agus  a  chomhairle  agus 
a  cho-fhaireachduinn  agus  a  ghradh,  is  mu 
dheireadh  thug  e  seachad  anam  'n  an  eiric. 
B'e  sin  an  t-aobhar  gu  robh  aoibhneas  Ian. 

IV.  Ach  b'e  an  tobar-aoibhneis  a  bu 
doimhne  'n  a  chridhe  uile  gu.  leir,  an  t- 
aoibhneas  a  bha  aig-e  ann  a  bhi  tearnadh 
pheacach.  Cha  'n  e  mhain  gu  robh  aoibhneas 
aige  siiilean  nan  dall  fhosgladh  'n  a  latha 
fein,  ach  bha  e  cinnteach  gu'm  b'e  toil  Dhe 
gu'm  biodh  e  air  a  lotadh  air  son  nan  gin- 
ealan  a  bha  ri  teachd,  air  a  bhruthadh  air  son 
aingidheachdan  an  t-saoghail,  agus  mar  sin 
dh'  fhuiling  e  air  a'  chrann-cheusaidh  gu 
toileach.  Bha  e  cinnteach  gu'm  biodh 
fhulangas  fein  'n  a  mheadhon  air  moran  mhac 
a  thabhairt  chum  gloire,  agus  mheas  e  nach  b' 
airidh  fulangas  Ghetsemane  is  Chalbhari  a  bhi 
air  a  choimeas  ris  an  aoibhneas  shiorruidh  sin, 
an  t-aoibhneas  a  tha  'na  chridhe  fein  agus 
ann  an  cridheachan  nan  ainglean  an  uair  a 
chluinnear  air  neamh  gu'n  do  thearnadh 
peacach  air  thalamh.  B'e  sin  a  thug  air  tionn- 
dadh  agus  a  radh  ri  nigheanan  lerusaleim 
Na  guilihh  air  mo  shonsa.  Bha  iadsan  a' 
smmaineachadh  air  pian  is  naire  a'  chroinn- 
cheusaidh,  ach  bha  esan  a'  smuaineachadh  air 
an  aoibhneas  a  bha  roimhe.  Chunnaic  e 
saothair  anama  is  bha  toilichte.  "Mise,  ma 
thogar  suas  o'n  talamh  mi  tairngidh  mi  na 
h-uile  dhaoine  am  ionnsuidh,"       An  uair  a 


11 


blia  suilean  Cliriosd  a'  diuiadh  anns  a'  bhas 
chunnaic  e  sealladh  nacli  fhaeas  le  duine  aii' 
bith  eile  a  blia  air  slialbh  Chalbhari  an  la  ud ; 
cha  b'e  na  saighdearan  no  an  fheadhainn  a 
bha  timchioll  a'  chroinn-cheusaidh  a  bha  fa 
chomhair  a  shul  idir,  ach  sluagh  mor  nach 
robh  neaeh  sam  bith  comasach  air  aireamh,  de 
na  h-uile  chinneach,  agus  threublian,  agus 
shloigh,  agus  theang-an,  'n  an  seasamh  an 
lathair  Dhe,  air  an  saoradh  le  saothair  anama. 


ANNS     A     CHATHAIR. 

Am  measg  nan  seann  diadhairean  a  bhios 
mi  a'  leughadh  cha'n'eil  gin  idir  as  fhearr 
leam  na  seann  Iain  Lig^htfoot,  D.D.,  a  bha 
ann  an  Cambridge,  a  rugadh  ann  an 
1602  agus  a  chaochail  ann  an  1675. 
Bha  diadhair  ag'us  sgoilear  ainmeil  eile  de'n 
cheart  ainm  ann  an  Cambridge  bhuaith  sin, 
ach  ged  b'ard  a  ehliu  agus  fhacal  'n  a  latha, 
cha  tigeadh  e  ann  an  uisge  na  stiiirach  aig 
an  t-seann  fhear.  An  uair  a  bha  mise  na 
b'  oige  na  tha  mi  an  diugh,  agus  theagamh 
na  bu  ghaolaiche  air  ciiisean  a  rannsachadh 
gus  an  ceann-criche,  dhuisg  fear  no  dha  de 
na  leabhraichean  aig  an  OUamh  Iain  Light- 
foot  a  leithid  de  fheorachas  a'm'  inntinn  's 
gu'n  do  cheannaich  mi  na  h-oibrichean  aige 
air  fad,  tii  deug-  de  leabhraichean  mora  anns 
a  bheil  dliith  air  da  chloich  de  chudthrom. 
Ach  faodaidh  mi  a  radh  unipa  mar  thubhairt 
Professor  Saintsbury  niu  na  toseaidean  fiona 
a  dh'61  e,  nach  do  chosd  mi  airgiod  riamh 
as  an  d'  fhuair  mi  uiread  toil-inntinn  's  a 
fhuair  mi  a  pris  nan  leabhraichean  ud. 
Thachair  do  leabhraichean  Lightfoot  mar 
thachair  do  na  leabhraichean  a  sgriobh 
Martainn  agus  an  Seanalair  Daibhidh 
Stiubhard  mu'n  CThaidhealtachd ;  ghoid 
luchd-sgriobhaidh  eile  caoban  mora  asda  gun 
uiread  agus  a  radh  gu  robh  iad  'na  chomain. 

Bha  eolas  mor  aig  an  duine  agus  gheibhear 
iomadh  rud  annta  a  tha  tilgeil  soluis  air  na 
sgriobturan,  ach  gheibhear  annta  ouideachd 
iomadli  rud  a  tha  gle  neonach.  Tha  e  ag 
innseadh  gu  robh  an  saoghal  air  a  chruthach- 
adh  air  an  t-seachdamh  la  deug  de  October, 
anns  a'  bhliadhna  4004  roimh  theachd 
Chriosd,  agus  gu  robh  Adhamh  air  a  chruth- 
achadh  air  an  trea;?  la  fichead,  aig  naoi 
uairean  's  a'  mhaduinn.  Sin  agad  sin.  An 
iiair  a  bhios  sgoilearan  agus  speuradairean 
an  la  diugh  a'  bruidhinn  air  aois  an  t- 
saoghail  cha  bhi  iad  ach  a'  labhairt  mu 
thuaiream,  agus  bidh  iad  toilichte  gu  le^ir 
ma  theid  iad  mu  cheud  muillein  bliadhna 
do'n   aois  cheart,   ach  bha  an  t-Ollamh  Iain 


Lightfoot  cho  cinnteach  a  aois  an  t-saoghail 
's  ged  gheibheadh  e  i  o'n  ibxl  Registrar  an 
Duneideann.     Ciod  is  ciall  da  sin? 

Tha  e  a'  ciallachadh  rud  no  dha;  a'  togail 
iomadh  smuain  ann  an  inntinnean  dhaoine 
tuigseach  a  bheachdaicheas  air,  ach  tha  e  a' 
ciallachadh  so  co  dhiu,  gu  bheil  daoine  an 
diugh  ann  an  saoghal  ur  seach  an 
saoghal  anns  an  robh  na  seann  diadhairean 
beo.  Co  dhiu  a  theid  aig  sgoilearan  is 
speuradairean  an  la  diugh  air  aois  an  t- 
saoghail  a  dheanamh  a  mach  no  nach  teid  tha 
fhios  aig  na  balaich  bheaga  gu  robh  an  t- 
Ollamh  Iain  Lightfoot  agus  Ard-Easbuig 
Ussher  fiada  fada  cearr.  Agus  cha'n  e  mhain 
gu  robh  iad  oearr  ach  cha  b'  urrainn  iad  a 
bhi  ceart  leis  an  doigh  a  ghabh  iad.  Bha  iad 
an  diiil  gur  h-ann  air  iighdarras  Dhe  a  tha 
a  h-uile  facal  ann  an  leabhar  Genesis  air  a 
chur  sios;  gu'n  d'  innis  Dia  do  Mhaois  facal 
air  an  fhacal,  an  doigh  agus  an  iiine  anns 
an  do  chruthaich  e  an  saoghal  agusi  na 
beathaichean  a  tha  air  uachdar ;  gu'n  d'  innis 
e  dha  mu  Eubh  agus  mu'n  Nathair,  agus 
mu'n  t-seanchas  a  bha  eatorra ;  gu'n  d'  innis 
e  dha  mu'n  tuil  agus  mu  Noah  agus  mu 
thoimhsean  na  h-airce;  mu  aoisean  nam 
prlomh-aithrichean  agus  nan  ginealan  a 
thainig  'n  an  deidh  ;  gu'n  d'  innis  e  dha  mu 
sheanchas  diomhair  a  bha  eadar  e  fein  agus 
daoine  a  bha  beo  na  ceudan  bliadhna  roimh 
Mhaois;  ann  an  aon  fhacal,  bha  iad  an  dull 
gu'm  faighear  ann  an  Genesis  eachdraidh  an 
t-saoghail  o  thoiseach  a'  chruthachaidh,  air 
a  h-innseadh  le  Dia  fein,  agus  mar  sin  neo- 
mheaj^achdach.  Air  dhaibh  a  bhi  de'n 
bheachd  sin  chunnt  iad  aoisean  nam  prlomh- 
aithrichean  agus  aoisean  nan  ginealan  a 
thainig  'n  an  deidh,  mar  a  tha  iad  air  an 
cur  sios  ann  an  ceud  leabhraichean  a' 
Bhiobuill,  is  fhuair  iad  bhuaith  sin  gu  robh 
an  saoghal  air  a  chruthachadh  anns  a' 
bhliadhna  4004. 

Ach  tha  taobh  eile  air  a'  chuis.  Tha  fhios 
againn  an  diugh  nach  robh  anns  na  h- 
ludhaich  ach  sluagh  beag  is  lag  an  coimeas 
ri  rioghachdan  eile ;  gu  robh  rioghachdan  eile 
ann  a  bha  'n  an  Ian  sheusdar  ceithir  mile 
bliadhna  roimh  theachd  Cliriosd;  tha  fhios 
againn  gu  bheil  comharran  ann  gu  robh 
daoine  air  an  talamh  o  chionn  corr  agus 
fichead  mile  bliadhna,  agus  gu  robh  beath- 
aichean ann  o  chionn  ceud  mile  bliadhna, 
beathaichean  a  chithear  laraichean  an  cas 
agus  an  cnamhan  anns  na  creagan.  Ged  nach 
urrainn  na  speuradairean  no  na  creagadair- 
ean  la  is  bliadhna  a  thoirt  dhuinn  air  aois 
an  t-saoghail  tha  iad  uile  a'  toirt  dhuinn 
figearan  de'n  t-se6rsa  so,  300,000,000 
bliadhna.       A    thaobh     aois     an     t-saoghail 


12 


cha'ii'eil  ami  am  muilean  bliadhna  ach  rud 
suarrach. 

Cha  bhiodh  e  t'urasda  dhoinlisa,  a  leughad- 
air,  cainnt  is  eolas  nan  speuiadaiiean  agus 
nan  ard-sgoilearan  eile  a  chur  an  Gaidhlig 
dhuitsa,  oir  ged  tha  a'  Ghaidhlig  caomh  le 
m'  chluais  agus  freagarrach  gu  leoir  gus 
iomradh  a  dheanamh  air  na  nithean  air  am 
bi  sinn  a'  bruidhinn  an  Cille-sgumain,  cha'n 
'eil  innte  ach  spain  bhochd  gus  do  ohuid  a 
thoirt  a  comaidh  a  poit  nan  speuradairean. 
Ach  ged  nach  'eil  mi  a'  dol  f  ada  a  steach  anns 
a'  ghnothucli  faodaidh  mi  doigh  na  dha 
ainmeachadh  anns  a  bheil  iad  a'  feuchainn 
ri  tighinn  dluth  air   aois  an  t-saoghail. 

Aon  doigh  a  tha  aca,  a'  cheart  doigh  anns 
an  dean  thu  mach  aois  niairt  no  aois  craoibhe. 
Ma  chunntas  tu  na  fainneachan  a  chi  thu  air 
aclharc  mairt,  theid  thu  dluth  d'a  h-aois ;  ma 
chunntas  tu  na  fainneachan  a  chi  thu  air 
craoibh  an  uair  a  ghearrar  i  air  an  teis- 
meadhoin  gheibh  thu  a  h-aois.  Tha  na  ceart 
fhainneachan  sin  air  creagan  sonraichte  air 
an  talamh,  laraicliean  a  bha  air  am  fagail  an 
uair  a  bha  na  creagan  a'  fuarachadh,  agus 
theid  aig  na  creagadairean  air  an  cunntas. 

D6igh  eile  a  tha  aca,  biclh  iad  a'  tomhas  an 
t-salainn  a  tha  anns  a'  chuan.  Tha  rud 
beag  salainn  anns  a  h-uile  uisge  a  tha  sruth- 
adh  anns  na  h-aimhnichean  do'n  chuan,  ach 
cha'n'eil  mir  salainn  idir  anns  an  uisge  a  tha 
ag  eiridh  o'n  chuan  do  na  neoil  le  teas  na 
g-reine.  Tha  an  cuan  mar  so  a'  fas  uigh  ar 
n-uigh  na's  saillte  o  linn  gu  linn,  o  thoisich 
aimhnichean  air  iad  fhein  fhalmhaohadh  ann. 
An  uair  a  thoirahseas  iad  na  tha  de  shalann 
anns  a'  chuan  uile  cru.  leir,  agus  a  thoimhseas 
iad  na  tha  dol  ann  de  shalann,  a.  h-uile 
bliadhna  o  na  h-aimhnichean,  cuiridh  iad  an 
da  rud  sin  ri  cheile,  is  gheibh  iad  beachd  air 
aois  an  t-saoghail.  Dh'  oibrich  sgoilearan 
araidh  air  a'  cheist  so  fad  iomadh  bliadhna, 
is  fhuair  iad  330,000,000  bliadhna  mar  aois 
an  t-saoghail. 

-Cha'n'eil  an  sin  ach  sop  no  dha  as  na 
sguapan  a  chruinnich  iad.  Tha  daoine  ann 
an  saoghal  iir  an  diutrh  seach  mar  bha  iad 
roimhe  so  ;  agus  feumaidh  an  eaglais  sin  a 
chuimhneachadh.  Tha  na  nithean  so  air  a 
bheil  mi  a'  bruidhinn  air  an  teagasg  do'n 
chloinn  anns  an  sgoil,  ach  tha  e  'n  a  chnap- 
starra  do'n  chloinn  gu  spioradail,  uile 
laithean  am  beatha,  ma  tha  na  nithean  a 
chluinneas  iad  anns  an  eaglais  agus  na 
nithean  a  chluinneas  iad  anns  an  sgoil  calg- 
dhireach  an  aghaidh  a  cheile.  Na'n  robh 
an  t-Ollamh  Iain  Lightfoot  beo  an  diugh 
cha'n  abradh  e  an  rud  a  thubhairt  e  mu 
chruthachadh  an  t-saoghail ;  bha  e  'n  a 
sgioilear     ro    mhaith    agus    'n    a    dhuine    ro 


ghaolaeh  air  an  fhirinn  na  gu'n  cuii'eadh  e 
cul  ri  solus  is  e^las  a  tha  tighinn  o  spiofad 
Dhe  a  cheart  cho  cinnteach  "s  a  thainig  an 
solus  agus  an  t-eolas  a  bha  aig  Maois. 


BEANNACHADH    LEAPA. 

Tha  mi  'ga  sgriobhadh  so  air  mo  ghliiin  ann 
an  carbad-iaruinn,  air  an  rathad  do'n  Oban  ; 
an  uair  a  bha  mi  a'  fagail  an  tighe  anns  a' 
mhaduinn  fhuair  mi  fios  gu  robh  crioman 
falamh  fhathast  ann  an  duilleagan  a'  mMos 
so.  Agus  bho  nach  'eil  dad  eile  agam  air  an 
dean  mi  seanchas  aig  an  am  cuiridh  mi 
luchd-leughaidh  an  leabhair  dheirg  'n  am 
chomain  le  te  a  thoirt  daibh  de  na  seann 
laoidhean  a  gheibhear  ann  an  Carmina 
Gadelica,  an  leabhar  fiachail  a  bha  air  a  chur 
a  mach  leis  an  Ollamh  chaomh,  Alasdair  Mac 
Gillemhicheil  nach  maireann.  Thug  mi  learn 
an  leabhar  'n  am  bhaga  los  gu'm  biodh 
guidheachan  is  ubagan  agam  a  chuirinn  air 
sgiobair  agus  sgiobadh  na  Cygnet  mur  cuir 
iad  air  tir  mi  ann  an  Tiriodh  am  maireach, 
gun  dol  do  Bharraidh. 

Ach  tha  e  car  duilich  dhomh  m'  aire  a 
chumail  air  a'  phaipear  a  tha  air  mo  ghltiin, 
oir  tha  tuathanach  a  Bothchuidir  a  tha  'n  a 
shuidhe  anns  an  oisein  m'  am  choinneamh  air 
son  seanchas  a  dheanamh  rium.  Bha  e  aig 
margadh  am  Peairt  agus  tha  sogan  beag 
drama  air,  agus  cleas  an  t-seorsa  sin  daonnan 
tha  e  air  son  seanchas  a  dheanamh  ri  minis- 
tear  mu  chiiisean  eaglais  agus  mu  nithean 
soluimte  agus  crabhach.  Aig  amannan  eile 
seachnaidh  iad  comunn  na  cleire  mar  gu'm 
biodh  eagal  fiabhruis  no  brice  orra. 

Bhiodh  na  seann  daoine  'g  am  beannaohadh 
fein  m'  an  toisicheadh  iad  air  obair,  m'  an 
cuireadh  iad  siol,  m'an  tog-adh  ir  '  teine,  m' 
an  smaladh  iad  teine,  ni'an  eireadh  agus  m'an 
laigheadh  iad.  So  beannachadh  taimh  a  bha 
aca  : — 

An  ainm,  an  Tighearn  losa, 
Agus  Spiorad  idcshlain  digh, 
An  ainm  Afhar  Israeil, 
Sinim  si  as  gtv  tamli. 

Ma  tha  niiisal  no  diisal, 
No  run  air  hith  dhomh  'n  dan, 
Dhia  fuasgail  orm,  is  cuartaich  arm, 
Is  fuadaich  nam  mo  ndmh. 

An  ainm  Athar  prtseil, 
Is  Spiorad  idcshlain  aigh. 
An  aimn  Tigheai^n  losa, 
Sinim  si  OS  gu  tdmh. 

*  *  *  *  * 

Dhia  cobhair  mi  is  cuartaich  mi 
O'n  umr-s'  gu  umr  mo  hh^is. 


Air    4. 


1929. 


INNTINN     CHRIOSD. 

Tha  e  na's  bean?iaichte  ni  a  thahhairt  na 
ghahhail. — Gniomharan  xx,   15. 

Tha  an  eaglais  gu  mor  an  comain  Phoil,  agus 
an  deidh  Phoil,  an  comain  Lucais  air  son 
cuimhne  a  ehumail  air  an  fhacal  so.  Cha'n 
fhaighear  idir  ann  an  leabliraichean  Mhata, 
no  Mharc,  no  Eoin  e.  Theagamh  gu'n  cuala 
cuid  dhiubh  am  facal  o  bhilean  Chriosd,  ach 
ma  chuala,  dhichuimhnich  iad  e;  no  oo  dhiu, 
cha  tainig  iad  thairis  air   a   ris. 

Cha'n  fhaca  Pol  Criosd  riamh  is  cha  chual 
e  a  theagasg,  ach  bha  e  fad  a'  chuid  mu 
dheireadh  d'a  bheatha  maille  ri  daoine  a 
chunnaic  agus  a  chuala  Criosd  ;  daoine  aig  an 
robh  e  'n  a  chleachdadh  a  bhi  ag  aithris  a 
bhriathran.  Bha  an  soisgeul  am  beul  nan 
creidmheach,  air  aithris  o  dhuine  gu  duine, 
iomadh  bliadhna  m'an  deachaidh  a  sgriobh- 
adh,  agus  b'ann  mar  sin  a  fhuair  Pol  am 
facal  so,  Tha  e  na's  heannaichte  ni  a  thahhairt 
na  ghahhail.  Ach  ged  nach  biodh  urrainn 
Phoil  againn  air  son  an  fhacail  idir  tha 
dreach  is  comharradh  na  firinn  air  an  fhacal 
fhein  ;  tha  e  cho  coltach  ri  rud  a  theireadh 
an  Slanuighear  caomh,  is  tha  e  uile  gu  leir 
coltach  ris  an  rud  a  rinn  e. 

I.  B'e  so  an  doigh  anns  an  do  chuir  Criosd 
seachad  a  bheatha  fein,  cha  'n  ann  ag 
iarraidh  no  a'  gabhail  ach  a'  toirt  seachad 
do  dhaoine  eile  daonnan.  Cha  d'  iarr  e  air 
duine  eile  rud  a  dheanamh  nach  do  rinn  e 
fein  an  *fl,iseach  ;  le  ghniomharan  cho  mhaith 
ri  bhri<t../fan  dh'  fhoillsich  e  dhuinne  inntinn 
Dhe-  Cha  tainig  mac  an  duine  chum  gu'n 
denntadh  frithealadh  dha  ach  a  dheanamh 
frithealaidh,  agus  a  thahhairt  anama  fein 
mar  eiric  air  son  mhoran.  Thug  e  na  bha 
aige  do  dhaoine  eile,  agus  mu-  dheireadh  thug- 
e  seachad  a  bheatha  agus  an  am  as  an  leth. 
Thearuinn  e  daoine  eile  ach  cha  do  chaomhain 
e  a  bheatha  fein.  Tha  so  uile  air  a  chur  le 
Pol  ann  an  doigh  nach  b'  urrainn  duine  eile 
a  chur  na  b'  fhearr  ;  "  Is  aithne  dhuibh," 
ars'  esan,  "gras  ar  Tighearna  losa  Criosd, 
C'ed  bha  e  saoibhir,  gidbeadh  gu'n  do  rinn- 
eadh  bochd  e  air  bhur  sonsa,  chum  g' 'm 
biodh  sibhse  saoibhir  tre  a  bhochdainn-san." 
Na'm  biodh  aon  de  dhaoine  mora  an  t-saog-h- 
ail  so  cho  iriosal  gradhach  's  gu'n  deanadh  e 
seirbhiseach  dheth  fein  d'a  sheirbhisich,  'n 
a  bhrathair  agus  'na  chul-taice  dhaibh  gUkS 
an    ceum    as  fhaide   a  mach,   mt^olamaid   an 


gniomh.  Ach  gu'n  tigeadh  an  Dia  mor 
gl6rmhor  anns  an  fheoil  gu  bhi  nigheadh 
chasan  agus  a'  glanadh  chreuchdan  nan 
creutairean  a  chruthaich  e,  sin  gniomh  a  tha 
cho  iongantach  agus  cho  uasal  's  nach  gabK 
6  moladh  !  Tha  e  a'  dol  os  cionn  ar  molaidh ; 
ionghnadh  nan  ionghnadhean  ;  an  ni  ard  agus 
uasal  agus  gaolach  sin  ris  an  abradh  Pol, 
gras  Dhe.  Co  an  cridhe  a  smuainicheadh  air 
ach  cridhe  Dhe? 

Cha  mhor  gu  bheil  dad  idir  air  innseadh 
dhuinn  mu  bheatha  Chriosd  nach  'eil  a'  cur 
soluis  air  an  fhacal  so,  agus  a'  dearbhadh  gur 
e  so  an  inntinn  a  bha  ann  fein.  Ach  tha 
an  doigh  anns  an  do  ghiiilain  e  e  fein  anns 
na  laithean  deireannach  'ga  dhearbhadh  gu 
sonraichte ;  mar  chuir  e  as  an  t-sealladh  a 
bhron  agus  a  thrioblaid  agus  fhulangas  fein 
los  misneach  is  comhfhurtachd  a  thoirt  d'a 
chairdean.  Cha'n  e  sin  doigh  dhaoine  am 
bitheantas;  an  uair  a  thig  deuchainn  no 
amhghar  'g  ar  n-ionnsuidh  fein  cha'n 'eil 
moran  smaointinn  againn  air  cor  dhaoine 
eile.  Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a  bha  Criosd  ; 
b'e  a  nadur  a  bhi  toirt  seachad  agus  a  bhi 
smuaineachadh  air  daoine  eile  air  thoiseach 
air  fein  ;  eadhom  an  uair  a  bha  anam  a 
leaghadh  'n  a  chom  bha  e  a'  smuaineachadh 
air  a  dheisciobuil  agus  air  an  obair  a  thug 
Dia  dha  ri  dheanamh,  agus  gu  sonraichte  air 
Peadar  agus  air  a  mhathair. 

II-  So  an  aon  doigh  a  mhain  anns  an 
(gabh  an  sonas  as  airde  fhaotainn,  an  sonas 
a  tha  fior-ghlan  is  buan.  Tha  uile  shiuagh 
an  t-saoghail  an  toir  air  sonas  dhaibh  fein 
anns  a'  bheatha  so,  ach  tha  a'  mhor-chuid- 
eachd  'g  a  iarraidh  air  an  doig-h  chearr ;  tha 
iad  an  diiil  gur  h-ann  mar  i®  mo  a  gheibh 
iad  as  sona  a  bhitheas  iad.  Tha  sin  calg- 
dhireach  an  aghaidh  an  teagaisg  a  thug 
Criosd  dhuinn  anns  an  fhacal  so,  ag-us  an 
aghaidh  an  teagaisg  a  thug  e  dhuinn  am 
briathran  eile  cuideachd,  Cha'n  ann  am  mor- 
phailteas  nan  nithean  a  tha  e  a'  sealhhachadh 
a  tha  heatha  an  duine  a'  co-sheasam,h. 
^  Nach  'eil  fhios  againn  gle  mhaith  gur  e  na 
laithean  a  bu  shona  'n  ar  beatha  na  laithean 
sin  anns  an  robh  cothrom  againn  cuideach- 
adh  a  dheanamh  le  coimhearsnach  no  le  duine 
air  chor-eigin  a  bha  'n  a  eigin  ;  ni  air  an 
robh  feum  againn  fein  a  thoirt  da  a  chionn 
gu  robh  fheum-san  na  bu  mhotha.  Bha 
Henry  Drummond  nach  maireann  an  da 
chuid  n'  a  dhuine  glic  agus  'n  a  dhuine 
spioradail  ;  bhiodh  moran  dhaoine  a'  cur  an 


u 


comliaii'le  ris,  acli  blm  aon  ehomliaiile  aige  a 
bhiudli  e  dauiiiiun  a'  tuirt  air  claoiiie  a  Ijliiudh 
a'  gearan  nacli  lobli  an  1-aoibhiieas  aca  "n 
am  beatha  spioiadail  ris  an  robh  tiughair  aca, 
iad  a  dhol  a  mach  agus  aoibhueas  a  thoirt  do 
dhaoine  eile.  An  ni  a  tha  duine  a'  gleidh- 
eadh  dha  fhein  cha'n'eil  an  dara  letli  de 
thoileachadh  ann  's  a  tha  anns  an  ni  a 
roinneas  e  air  daoine  eile.  An  rud  a  tha  air 
a  roinn,  an  aite  e  bhi  air  a  lughdachadh  tha 
e  gu  bitheanta  air  a  dhiiblachadh.  Theagamh 
nach  'eil  so  a  reir  riaghailtean  nan  ceistean 
anns  an  sgoil  ach  tha  e  a  reir  teagasg  Chriosd 
agus  fiosrachadh  ar  beatha. 

III.  Is  e  Criosd  an  t-slighe  anns  an  t-seadh 
so  a  thuilleadh  air  iomadh  seadh  eile,  nach 
'eil  rathad  air  Dia  a  thoileachadh  no  air 
beatha  is  solas  fhaotainn  d'ar  cridheachan 
ach  an  rathad  air  an  do  choisich  esan.  Cha- 
'n'eil aig  a  dheisciobuil  ach  aon  lagh  uile  gu 
leir,  e  fein  a  leantuinn  ;  agus  a  dh'  aindeoin 
mineachaidh  a  bhithear  a'  deanamh  air  an 
staid  inntinn  no  cridhe  sin  ris  an  abrar 
creideamh  anns  an  Tighearn  losa,  feumar 
daonnan  tighinn  air  ais  thuige  so,  nach  'eil 
'n  ar  creideamh  ach  facal  is  fuaim  mur 
bheil  sinn  a'  deanamh  roghainn  le  comhairle 
shuidhichte  de  na  nithean  a  roghnaich  esan 
agus  de'n  doigh  beatha  a  lean  e  an  uair  a 
bha  e  air  thalamh.  Ma  tha  sinn  cho  cinnteach 
asainn  fhein  's  gu'n  teid  sinn  an  ag-haidh  a 
theagaisg-san,  an  driil  gu  bheil  ar  doigh  fhein 
cho  mhaith  ri  dhoigh-san,  cha'n'eil  ann  ach 
facal  is  fuaim  dhuinn  a  bhi  ag  radh  gu  bheil 
sinn  a'  creidsinn  ann-  Cha'n  e  sin  creideamh 
no  rud  coltach  ris;  duine  air  bith  aig  nach 
cluinnear  la  deug  's  a'  bhliadhna  ach  mi 
fhein,  mi-fheln,  thoir  dhonih,  thoir  dhomh, 
ciamar  a  tha  creideamh  aig  an  duine  sin  ann 
ah  neach  nach  dubhairt  riamh  a  leithid  sin, 
ach  a  thiibhairt  so,  Tha  e  na's  heannaichte  ni 
a  thnhhairt  7ia  ghahhail. 

W  abhaist  do  aon  de  na  seann  diadhairean 
a  bhi  ag  radh,  SAMUEL  RUTHERFORD, 
ma's  maith  mo  chuirahne,  nach  deachaidh  e 
riamh  air  a  ghliiinean  a  dh'  virnuigh  air  son 
caraid  gun  Dia  a  thoirt  dha  tiodhlac  air  chor- 
eigin  air  a  shon  fhein.  Ann  a  bhi  'ga 
dhichuimhneachadh  fein  agus  a'  giulan 
uallaichean  chaich  air  a  chridhe  fhuair  e 
saorsa  is  sonas.  Theagamh  nach  creid  ciiid 
de  dhaoine  facal  dheth  so,  ach  co  dhiii 
a  chreideas  no  nach  creid,  tha  e 
fior  agus  air  a  dhearbhadh  ann  am 
fiosrachadh  na  feadhnach  a  tha  leantuinn 
Chriosd.  Abradh  an  saoghal  mar  a  thogras 
e,  tha  e  na's  beannaichte  ni  a  thabhairt  na 
ghabhail  ;  na's  beannaichte  a  chionn  gu  bheil 
gradh.  air  a  chiilaobh,  agus  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh  is  e  an  gradh  an  anail  bhe*^. 


AONADH   NAN   EAGLAISEAN. 

An  uiridh  dir'  iarr  an  t-Ard  Sheanadh  air 
na  Cleirean  eothrom  a  thoirt  do  Sheiseinean 
agus  do  shluagh  na  h-eaglais  am  beachd  a 
liubhairt  a  thaobh  an  Aonaidh,  air  chor  ag-us 
gu'm  biodh  fios  aig  na  Cleirean  ann  an  deagh 
am  ciud  an  inntinn  a  bha  aca  air  a'  chuis. 
Bho  chionn  mios  no  dha  tha  Seiseinean  agus 
coimhthionailean  a'  toirt  seachad  am  beachd, 
inoran  dhiubh  le  vote  anns  an  eaglais,  is  tha  e 
soilleir  gu  leoir  gu  bheil  a'  mhor-chuideachd 
de'n  t-sluagh  toilichte  gu  bheil  an  t-Aonadh 
a'  dol  air  aghaidh.  Na'm  faigheadh  Ramsay 
Domhnullach  uiread  air  a  thaobh  anns  an 
ath  Pharlamaid  's  a  tha  air  taobh  an  Aonaidh 
an  Albainn,  an  coimeas  ris  na  tha  'n  a 
aghaidh,  cha  ruigeadh  e  leas  fiamh  no  eagal 
a  bhi  air  dol  air  aghaidh  le  obair  na 
rioghachd. 

Cha  mho  a  leigeas  aithrichean  na  h-eaglais 
a  leas  eagal  a  bhi  orra  an  obair  a  chrioch- 
nachadh  ann  an  October  so  tighinn  air  an  do 
thoisich  iad  bho  chionn  fichead  bliadhna.  Tha 
deannan  beag  dhaoine  an  sid  agus  an  so  leis 
am  b'  fhearr  ciiisean  fhagail  mar  tha  iad,  ach 
cha'n  urrainnear  sgur  de'n  obair  mhaith  a 
ghabh  an  eaglais  os  laimh  air  sgath  nan 
daoine  sin.  Ann  an  cuisean  na  h-eaglais 
cho  mhaith  ri  cuisean  na  rioghachd  tha  e  'n 
a  rud  ceart  agus  reusonta  gu'n  aonntaicheadh 
am  beagan  ris  a'  mhoran,  an  uair  a  tha 
gnothuch  air  a  chur  an  dara  taobh  le  cunntas 
cheann,  ach  mur  dean  iad  sin,  cha'n  urrainn- 
ear a  leasachadh.  Anns  an  eaglais  againne 
cha  'n'eil  ach  gle  bheag  uile  gu  leir  a  tha  an 
aghaidh  an  Aonaidh,  ach  ged  bhiodh  e  'n  an 
inntinn  cron  a  dheanamh,  rud,  rud  nach 
'eil,  nach  'eil,  cha'n  eil  dad  as  urrainn  iad 
a  dheanamh. 

Anns  an  eaglais  eile  cha'n'eil  a'  chilis  uile 
gu  leir  mar  so  ;  tha  an  aireamh  dhaoine  a  tha 
an  aghaidh  an  Aonaidh  fada  na's  mo  na 
againne,  agus  ma  tha  an  toil  agus  an  dealbh 
aca  faodaidh  iad  seasamh  a  mach  agus  eaglais 
l)heag  a  dheanamh  dhaibh  fein,  mar  a  rinn 
an  eaglais  bheag  Shaor.  Faodaidh  iad  sin  a 
dheanamh,  ach  cha  'n  fhaigh  iad  moran  a 
dh'  aonntaicheas  leo  gu  bheil  feum  aig 
Albainn  an  diugh  air  eaglais  eile. 

Bha  e  furasda  gu  leoir  do  aithrichean  na 
h-eaglais  againne  obair  an  Aonaidh  a  thoirt 
gu  ceann-criche,  oir  bha  fhios  aca  fad  na  h- 
iiine  gu  robh  a  daoine  gu  h-aonsgeulach  air 
an  ciil,  ach  cha  robh  e  idir  cho  furasda  do 
aithrichean  na  h-eaglais  eile,  oir  bha  aca  ri 
gluasad  gu  glic  agus  gu  failidh  a  h-uile  ceum 
de'n  t-slighe  air  eagal  gu'm  briseadh  iad 
sith  agus  aonachd  na  h-eaglais.  Mar  sin  tha 
iad  r'am  moladh  air  son  gu'n  do  stiiir  iad 
an  eaclais  le  lamh  dio  cinnteach  air  iomadh 


15 


droch  latlia  ;  am  nieasg  na  feadhnacli  d'am 
buin  cliu  tlia  tiiuii'  iiacli  'eil  an  diugli  a 
latliair  ;  an  t-UUamli  Alasdair  \Vliytc;  an  t- 
OUaiuli  Seunias  Denney ;  agus  an  t-OUamli 
Gilleasbuig  Hendei'SDn.  Comhla  riu  sin 
feuniar  an  t-Ollanih  Alasdair  Martin  ainm- 
eachadh,  oir  is  ann  air  a  gluiaillean-san  a 
thuit  eudthrdm  na  h-oibre  o  chionn  bliadhna 
no  dha.  Blio  shiubhail  an  t-Ollandi  nior  mor, 
Raibeart  Rainy,  cha  robli  pearsa  eaglais  ann 
an  Albainn  cho  glic  no  cho  grunndail  ri 
Gilleasbuig-  Henderson.  Bha  e  maith  anns 
an  lagh  agus  anns  an  t-soisgeul  ;  bha  cridhe 
diadhaii-  aige  is  ceann  fir-lagha.  Is  mor  an 
diobhail  nacli  rolih  e  air  a  chaomhnadh  g-u 
October,  oir  bhiodK  e  air  a  thaghadh  mar 
cheud  Mhoderator  na  h-eaglais  aonaiclite  gun 
teagamh.  Ach  coltach  ri  Maois  cha  d'  fliuair 
e  dol  a  steach  do  thir  a'  gheallaidh,  is  feumar 
a  nis  a  bhi  toilichte  le  loshua. 

Tha  fichead  bliadhna  bho  thoisicheadh  air 
an  obair  so  ;  fear  as  deidh  fir  de  na  h-aithrich- 
ean  a  bha  air  a  ceann  chaidh  iad  as  an  t- 
sealladh,  gus  nach  'eil  ach  gle  bheag  dhiubh 
a  lathair  an  diugh  ;  dh'  fhalbh  an  t-Ollamh 
Uilleam  Mair  ;  an  t-Ollamh  Gilleasbuig  Scott ; 
Tormoid  MacLeoid  ag-us  am  Moral r  Balfour; 
an  t-Ollamh  Alasdair  Stiubhard  an  Cill- 
ribhinn  ;  Cooper;  Cowan;  Herkless ;  Nicol  ; 
Gillespie;  Mitford  Mitchell;  Macadam  Muir  ; 
Niven,  Seumas  Robastan,  an  Dotair  Russell; 
Domhull  Mae  Leoid  ;  Wallace  Williamson  ;  is 
feadhainn  eile  air  nach  'eil  cuimhne  agam 
aig  an  am.  Ma  tha  na  naoiinh  air  neanih  a' 
gabhail  suim  de  na  nithean  a  tha  tachairt  air 
thalamh,  is  tha  moran  dhaoine  a'  creidsinn 
gu  bheil,  faodaidh  g\i  bheil  ionghnadh  air 
spioradan  nan  aithrichean  so  nach  'eil  sinne 
a'  toirt  gu  ceann-criche  an  obair  a  dh'  fhag 
iad  aa'ainn. 


ANNS    A    CHATHAIR. 
AN     GIOGALORUM. 

An  aithne  dhuit,  a  leughadaii',  an  creutair 
ris  an  abair  iad  an  giogalorum?  Tha  e  cho 
beag  biodach  's  gu'n  teid  aig-  ceud  mile 
dhiubh  ail'  iad  fein  fholach  ann  am  bac- 
iosgaid  na  fride,  is  tha  an  fhride  cho  beag  i 
fein  's  '-•u'n  teid  aig  ceud  mile  dhiubh  air  iad 
f^in  fholach  ann  an  cul  cluaise  na  fineig,  is 
cha'n'eil  an  fhineag  mor- 

An  iiair  a  bhios  sinn  a'  coiseachd  air  an 
talamh  saoilidh  sinn  gu  bheil  an  talamh 
mai'bh  fo  ar  casan  agus  nach  'eil  creutair  beo 
ann  ach  na  chi  sinn  air  uachdar,  ach  an  aite 
an  talamh  a  bhi  marhh  tha  e  Ian  beatha  ;  na'n 
cunntadh  tu  an  aireamh  ghiogalorum  is 
fhridean  is  fhineagan  air  a  bheil  tu  a'  saltairt 
a  h-i,tile  uair  a  leagas  tu  do  chas  air  an  talamh 


chitheadh  tn  gu  bheil  barrachd  ann  na  tha  de 
dhaoine  anns  an  Roinu-Eorpa.  Saoil  thu  cia 
meud  creutair  beo  a  tha  ann  an  Ian  spainne 
de'n  talamh  a  bhios  tu  a'  ruamliar  anns  a' 
gharradh  agad  fein  aig  an  am  so  de'n 
bhliadhna?  Ann  an  Rothamsted  far  a  bheil 
daoine  ionnsaichte  a'  cur  seachad  am  beatha 
gus  gne  an  talaimh  a  thuigsinn  agus  doighean 
lira  fhaotainn  a  rnach  a  bhios  gu  feum  do 
thuathanaich  ann  an  oibreachadh  agus  ann 
am  loeathachadh  a'  ghruinnd,  chunnt  iad  gu 
ciiramach  cia  meud  creutair  beo  a  bha  ann 
an  Ian  spainne-tea  de'n  talamh.  Bha  e  cho 
duilich  dhaibh  so  a  dheanamh  's  gu'n  do 
ghabh  an  obair  coig  daoine  a  bhi  rithe  fad 
bliadhna,  ag  oibreachadh  ochd  uairean  a  h- 
uile  latha.  Theagamh  gu'n  abair  cuid  gu'm 
feumadh  nach  robh  dad  eile  aca  ri  dheanamh, 
agus  gu'm  bu  leanabail  an  obair  e  do  dhaoine 
glic  bliadhna  d'  an  saoghal  a  chur  seachad  a' 
cunntas  na  bha  de  ghiogalorum  ann  an  Ian 
spainne  a  dh'  uir.  Ach  sud  agad  mar  tha 
eolas  dhaoine  air  obair  a'  chruthachaidh  a' 
fas,  agus  tha  eolas  'na  ni  cho  luachmhor  's 
gttr  fhearr  aon  ghrainne  beag  dheth  na  luchd 
soithich  de'n  or. 

Bha  e  duilich  dhaibh  na  creutairean  beaga 
ud  a  chunntas  a  chionn  gu  robh  iad  cho 
biodach  's  nach  fhaiceadh  iad  cuid  dhiubh  gun 
ghloinneachan,  ach  bha  e  na  bu  duiliche 
dhaibh  a  chionn  gu  robh  iad  a'  siolachadh 
cho  pailt.  Cha  ruigear  a  leas  clann-daoine  a 
chunntas  ach  uair  's  na  deich  bliadhna  oil- 
cha'n'eil  ach  tri  ginealan  aca  ann  an  ceud 
bliadhna.  Ach  am  measg  nan  giogalorum  tha 
gineal  iir  ag  eirigh  suas  ann  an  caisteal  na 
h-uaire,  dluth  air  ceud  gineal  ann  an  ceithir 
uaire  fichead.  Bha  coig  is  da  fhichead 
muillein  dhiubh  ann  an  Ian  na  spainne;  an 
uair  a  chuir  iad  air  a'  mheidh  iad  gus  an 
cudthron  a  thomhas  rinn  iad  a  mach  gu  bheil 
mu  thuaiream  da  fhichead  punnd  dhiubh 
anns  gach  acair  fearainn. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  agad,  a 
leu'ghadair,  air  facal  deacair  a  tha  air  a 
sgriobhadh  an  leabhar  Shamneil  mu  anam 
dnine  a  fha  air  a  chemignl  suas  ann  an 
reanglachan  nam  bed  ;  ged  tha  mac  an  duine 
cho  uaibhreach  's  nach  aidich  e  gu  bheil  daimh 
air  bith  aige  ris  a'  ghiogalorum  is  ann  as  an 
aon  tobar  beatha  a  thainig  iad,  agus  tha  iad 
air  an  ceangal  r'a  cheile  ann  an  ceanglaich- 
ean  cho  dluth  's  na'm  basaicheadh  an 
giogalorum  gu'm  basaicheadh  mac  an  duine 
cuideachd.  Gun  an  giogalorum  cha  tigeadh 
barr  no  biadh  as  an  talamh. 

An  ionghnadh.  mata,  ged  theireadh  an 
naomh  Frannsaidh  a  hhrathair  ris  a'  chreut- 
air  bheag  so,  agus  an  ionghnadh  ged 
ghluaiseamaid  uile  gii  failidh  air  an  talamh 
an  uair  a   chuimhnicheas  sinn  gu  bheil  sao- 


16 


glial  mor  agus  saoglial  beo  fo  ar  casan  air 
iiai'.h  'eil  eolas  air  bitU  agaimi,  saoghal  aims 
a  blitjil  breitli  is  bas,  t'as  is  searg,  obaii'  is  sti'i, 
a'  dol  air  an  aghaitjh  jgun  sgur  ami  an 
umhlachd  do  thoil  a'  Chruithfhear  a  thug 
dhaibh  deo  na  beatha  as  an  aon  tobar  as  an 
d'  fhuair  sinn  fein  i.  0  doimhne  saoihhreis 
arao?i     gliocais    agus    edlais    Dhe ! 


SGOILEAN    SAMHRAIDH. 

Thug  mi  iomradh  air  a'  ghiogalorum  a 
chionn  gu  bheil  e  cho  feumail  do  dhuine  fhios 
a  bhi  aige  ciod  a  tha  dol  air  aghaidh  ann 
an  saog-hal  a'  ghiogalorum  's  a  tha  e  dha  fhios 
a  bhi  aige  ciod  a  thubhairt  Iain  Calvin,  ma  bu 
mhaith  leis  ruintean  Dhe  amis  a'  chruthach- 
adh  a  thuigsinn.  Tha  da  Bhiobull  ann  anns 
am  faodar  smuaintean  agus  ruintean  Dhe  a 
leughadh ;  am  Biobull  a  bha  air  a  sgriobhadh 
leis  na  naoimh  ag-us  am  Biobull  a  bha 
agus  a  tha  air  a  sgriobhadh  le  lamh 
Dh6  ann  an  obair  a'  chruthachaidh. 
Tha  aithreachas  gu  leoir  ormsa  a  nis 
nach  do  thoisich  mi  na  bu  traithe  air  eolas 
fhaotainn  air  obair  a'  chruthachaidh,  oir  tha 
mi  a'  faicinn  gu  bheil  beathachadh  ri 
fhaotainn  anns  an  doio'h  sin  do  inntinn  ag^us 
do  chridhe  duine,  ach  bha  mi  uile  laithean 
mo  bheatha  cho  dion  a'  leughadh  agus  a' 
meomhrachadh  ann  an  leabhraichean  dhiadh- 
airean  is  fheallsanach  's  nach  robh  nine 
agam  suil  a  thoirt  air  na  miltean  ionghnadh  a 
tha  mu'n  cuairt  orm  anns  a'  chruthachadh, 
as  am  faodainn  gliocas  is  eolas  a  tharruing 
Bho  chionn  mile  bliadhna  cha'n'eil  na 
diadhairean  agus  na  feallsanaich  a'  deanamh 
dad  ach  a'  cagnadh  bhriathran  ;  a'  cheart  cho 
luath  's  a  chailleas  tu  tlachd  is  cail  ann  am 
briathran  gheibh  thu  a  mach  nach  'eil  an 
corr  aca  ri  thoirt  dhuit ;  ach  fad  na  h-uine  tha 
Tearlach  Darwin  agus  Louis  Pasteur  ag-us 
daoine  ciuin  iriosal  de'n  t-seorsa  sin  a'- 
fosgladh  dhorsan  dhuit  a  bheir  a  steach  do 
shaoghail  iira  thu,  saoghail  anns  am  faod  thu 
cumhachd  agus  gliocas  agus  ruintean  Dhe 
fhaicinn  mar  nach  fhaic  thu  iad  air  dhoigh 
eile. 

Na'n  cluinninn-sa,  mata,  iomradh  air  sgoil 
shamhraidh  anns  am  biodh  saoghal  a' 
ghiogalorum,  no  saoghal  nan  rionnagan,  no 
saoghail  nan  creutairean  eile  a  tha  sealbhach- 
adli  na  talmhainn  maille  rium,  air  fhosgladh 
dhomh  ann  an  doigh  shimplidh  a  b'  urrainn 
mi  a  thuigsinn  cha  bu  cheum  air  ghaig  learn 
dol  innte,  ged  tha  mi  air  fas  car  sean.  Neo- 
ar-thaing  nach  'eil  gu  leoir  de  sgoilean 
samhraidh  ann  an  diugh  ;  tha  iad  cho  tiugh 
's  nach  mor  nach  fachair  te  dhiubh  nrt  air  a 


h-uile  cnoc,  ach  ma  tha,  b'e  sin  na  sgoilean 
gLUi  ioiiusachadh  !  Ciia'n'eil  amis  an 
sgoilearachd  a  tha  dol  air  aghaidh  annta  ach 
an  t-ainm ;  is  e  an  fliior  ghnothuch  a  tha  an 
run  nan  sgoilearaii,  aighear  is  leannanachd  i 
is   dibhearsoin  de'n  t-seorsa  sin. 


LEOGHANN    AGUS   COINNEAN. 

Ged  tha  droch  ainm  aig  na  Pacifists  am 
mea-sg  na  gineil  fhiar  so  cha'n'eil  eagal  no 
naire  air  bitli  ormsa  a  radii  gu  robh  taobli 
agam  ris  na  Pacifists  riamh,  a  chionn  gu 
bheil  mi  an  diiil  gu  bheil  am  beachdan  a  reir 
teagasg  Chriosd-  Mur  biodh  agam  ach  am 
Biobull  a  sg^riobh  na  naoimh  bhithinn  'n  am 
Phacifist  a  muigh  's  a  mach,  ach  tha  mi  a' 
faicinn  nithean  sonraichte  anns  a'  Bhiobull 
eile  a  sgriobh  Dia  anns  a'  chruthachadh  nach 
'eil  a  reir  an  teagaisg  sin,  agus  a  tha 
dusgadh  amharuis  'n  am  inntinn.  Cha'n'eil 
mi  dol  a  dheanamh  argumaid  mu'n  ghnothuch 
air  an  duilleig  so,  ach  faodaidh  mi  naigh- 
eachd  bheag  fhior  innseadh. 

Uaireig-in  de'n  t-saoghal,  o  chionn 
fhada  nan  cian,  thachair  leoghann  agus 
coinnean  air  a  clieile.  Bha  an  coinnean 
an  deidh  ail  a  bhi  aice,  is  thoisich  i 
air  boilich  ris  an  leoghaimi  gu  robh  ise  a' 
breitli  fada  barrachd  cloinne  na  bha  an 
leoghann.  Cha  b'  urrainn  do'n  leoghainn  so 
aicheadh,  ach  thubhairt  i,  An  uair  a  hheireas 
mise  cha  'n  e  coinnean  a  hheireas  mi  ach 
leoghann .  Bu  leor  an  fhreagairt  sin  anns 
na  laithean  ud,  o  chionn  fhada  nan  cian,  an 
uair  a  b'e  lagh  na  coille  ag-us  lagh  a'  mliach- 
air  g-u'n  itheadh  am  beathach  a  bu  rahotha 
am  beathach  a  bu  lugha.  Cha  ruigeadh  na 
leoghainn  a  leas  farmad  no  eagal  a  ghabhail 
a  chionn  gu  robh  na  coinneanan  a'  siolachadh 
na  bu  lionmhoire  na  iad  fliein ;  mar  bu 
phailte  a  dh'  fhasadh  iad  is  ann  bu  phailte 
agus   bu   reamhra    na    leoghainn    cuideachd. 

Ach  an  diugh  cha  leor  an  fhreagairt  idir  e 
do'n  leoghainn  a  radii  gur  leoghann  a  hheir- 
eas ise  agus  nach  e  coinnean  !  An  uair  a  tha 
tapaid  is  marbhadh  air  an  toirmeasg  ;  innean 
na  leoghainn  air  an  g-earradh  agus  a  fiaclan 
air  an  tarruing  le  binn  an  lagha,  ciod  is 
fhearr  leoghann  na  coinnean?  Cha  'n  fheavr 
dad.  An  uair  a  bhios  cuisean  air  an  socuch- 
adh  le  cumitas  cheann  theid  an  latha  daonnan 
leis  a'  choinnean-  Cuirear  na  leoghainn  air 
chul  is  sealbhaichidh  na  coinneanan  an 
talamh.  Tha  so  a'  togail  cheistean  mora  a 
dh'  fhagas  mi  agad  fein,  a  leughadair,  gu  bhi 
a'cnuasachadh  orra,  ach  co  dhiu  cha  'n  fhaic 
mise  comharradh  air  bith  anns  a'  chruthach- 
adh gur  fhearr  le  Dia  coinnean  na  leoghann. 


1929. 


MIANN   AN    T-SALMADAIR. 

Ao7i  ni  ghiddh  mi  air  an  Tighearna,  sin 
iarraidk  mi,  a  hhi  am  chdmhnuidh  ann  an 
tigh  an  Tighearna  idle  laithean  mo  bheatha, 
chum  gii-'m  faicimi  maise  an  Tighearna, 
agiis  gti'ni  fiosraichinn  'n  a  theampuU. — 
Salm,  xxvii,  4. 

Ann  an  kite  eile  tha  an  Salmadair  ag  radh 
gii  robh  'anam  a'  fannachadh  le  d^idh  air 
cuii'tibh  an  Tig-hearna  : 

Cia  mor  an  airidh-ghraidh  do  theach 
lehobhah  mhdir  nan  sluagh  ! 
Cia  taitneach  dhomh-sa  t'  aros  naomh 
O  Thig-hearna  nam  buadh  ! 

Bu  bliiadli  is  bu  cheol  do  seasamli  anns  an 
tigh  naomh  ag-us  a  ghuth  a  thogail  ann  am 
fonn  nan  salm  : 

Bha  aoibhneas  orm  trath  thubhairt  iad 
Gu  tigh  Dhe  th^id  sinn  suas. 

Tha  na  sailm  Ian  de'n  ionndrainn  so,  an 
ionndrainn  a  bha  ann  an  cridhe  an  t- 
Salmadair  air  tigh  Dhe ;  agus  ma  dh'  fhe6r- 
aichear  ciod  e  an  t-aobhar,  tha  e  f6in  a' 
freagairt,  "Tha  mo  chridhe  agus  m'  fhe^il  ag 
eigheach  gu  h-ard  air  son  an  De  bheo." 

Cha  b'  ann  air  sgath  nam  ballachan  a 
mhain  a  bha  gaol  aige  air  tigh  an  Tighearna  ; 
bha  miann  air  a  bhi  ann  a  chionn  gu'm  b'e 
sud  an  t-aite  anns  an  robh  gloir  agvxs  cumh- 
achd  an  Tighearna  r'  am  faicinn,  agus  anns 
an  robh  e  'g  a  nochdadh  fein  d'a  shluagh. 

Faodar,  mata,  iirnuigh  an  t-Salmadair  a 
ghabhail  ann  an  doigh  fharsuing  ag^us  a 
radh  gur  e  lathaireachd  an  Tighearna  an  ni 
sonraichte  a  mhiannaich  e.  As  eugmhais 
lathaireachd  an  Tighearna  cha  bhiodh  eadhon 
an  teampull  ach  'n  a  thigh  fuar  fas  oir  is  e 
faireachduinn  a  bhi  aig'  an  luchd-aoraidh  air 
lathaireachd    an    Tighearna   a   tha   deanamh 

ionad     an     aoraidh     naomh AgtiiS 

dhvisg  lacob  as  a  chadal,  agus  thubhairt  e, 
Cia  h-namhasach  an  t-ionad  sol  Cha  'n  dite 
air  bith  so  ach  tigh  Dhe,  agus  is  e  so  geata 
neimhl  Cha  robh  teampull  no  sionagogf  air 
an  t-sliabh  far  an  do  chaidil  Jacob,  no  tigh- 
aoraidh  a  thogadh  le  lamhan  ;  cha  robh  ann 
ach  an  sliabh  creagach  lom ;  ach  'n  a  anam 
fein  air  an  t-sliabh  an  oidhche  ud  chual 
e  guth  an  Tighearna,  agus  feueh !  bha 
an  sliabh  dha  mar  g-u'm  biodh  e  ann  an  tigh 
Dh6,  oir  tha  tigh  Dh6  ann  an  aite  air  bith 
anns  a  bheil  e  'ga  fhoillseachadh  f^in  do'n 
anam. 


Cha  ruigear  a  leas,  mata,  urnuigh  an  t- 
Salmadair  a  ghabhail  gu  litireil,  no  a  shaoil- 
sinn  gu'm  bu  mhaith  leis  teicheadh  air  falbh 
o'n  t-saoghal  agus  o  obair  an  t-saoghail  uile 
gu  leir  gus  a  laithean  a  chur  seachad  gu  br&,th 
tuilleadh  ann  an  skmhchair  an  teampuill. 
B'e  an  ni  sonraichte  a  mhiannaich  e  lathair- 
eachd Dhe  a  mhealtainn  a  ghnkth,  Dia  a  bhi 
maille  ris  'n  a  dhol  a  mach  agus  'n  a  theachd 
a  steach,  an  la  a  rachadh  e  do'n  teampull  agus 
an  la  naeh  rachadh. 

Dia  team  a'  laighe 

Dia  learn  ag  Hrigh 

Dia  learn  anns  gach  rath  soluis 

Gun  aon  rath  as  aonais. 

Criosd  learn  a'  cadal 
Criosd  learn,  a'  dusgadh 
Criosd  learn  a'  caithris 
Gach  Id  agu^  oidhche. 

Bha  an  teampull  'na  fhianuis  do'n  t- 
Salmadair  air  gloir  agus  naomhachd  an 
Tighearna ;  'n  a  fhianuis  cuideachd  air 
trocair  agus  dluths  an  Tighearna  d'a  shluagh  ; 
agus  mhiannaich  e  a  bheatha  a  chur  seachad 
ann  an  dearbhachd  nan  nithean  sin.  "Is  e 
an  Tighearna  fjio  sholus  agus  mo  shlainte." 
Bha  an  fhaireachduinn  sin  agus  an  dearbh- 
achd sin  ann  an  cridhe  an  t-Salmadair  a  h- 
uile  uair  a  rachadh  e  a  steach  do'n  teampull, 
agus  is  e  an  ni  sonraichte  a  tha  e  ag  iarraidh 
anns  an  urnuigh  so  gu  maireadh  an  fhair- 
eachduinn sin  agus  an  dearbhachd  sin  'n  a 
chridhe  uile  laithean  a  bheatha.  Co-chomunn 
gun  bhriseadh  a  bhi  aige  ri  Dia,  co  dhiu  a 
bhiodh  e  ag  aoradh  no  ag  obair,  b'e  sin  am 
miann  a  bha  ann  an  cridhe  an  t-Salmadair. 
Bu  mhaith  leis  a  bhi  anns  an  spiorad,  cha'n 
ann  a  mhain  air  la  an  Tighearna,  ach  gach 
la  anns  an  t-seachduin.  Cha  biodh  e  chum 
buannachd  air  bith  a'  cheist  a  thogail, 
a  bheil  e  comasach  do  neach  air  thalamh 
an  airde  spioradail  so  a  ruighinn,  no 
a  smuaintean  a  bhi  air  an  socruchadh  air 
Dia  gun  sgur.  Co  dhiu  a  tha  sin  comasach 
do  chreutair  peacach  no  nach  'eil,  tha  fhios 
againn  uile  gu  maith  gu  bheil  sinn  f^in  a' 
tighinn  fada  fada  gearr  anns  a'  chuis  so, 
agus  gu'm  faodamaid  barrachd  fiosrachaidh 
a  bhi  againn  air  lathaireachd  an  Tighearna 
na'n  robh  d^idh  againn  air  a  chomunn  mar 
bha  aig  an  t-salmadair.  Cha  b'e  mionaid 
no  dba  anns  a'  mhaduinn  agus  mionaid  no 
dha  anns  an  fheasgar  a  bu  mhaith  leis-san  a 
chur    seachad     ann     an     ionad-dlorahair     an 


18 


Tiglieania,  acli  uile  Kiitheaii  a  blieatha.  Nach 
iomadh  duine  anns  an  t-saoghal  an  diugh 
nach  tog  a  chi'idhe  suas  ri  Dia  eadhon  mion- 
aid  fhein  anns  a'  mhaduinn ;  nach  iomadh 
duine  aig  nach  'eil  smuain  air  Dia  o  dh' 
eireas  e  gus  an  laigli  e  !  Ciod  a  theirear  ris 
an  t-seorsa  sin  ?  Faodar  so  a  radh  co  dhiu 
gu'm  feuni  iad  an  doighean  agus  an  cleach- 
danna  atharrachadh  m'  am  faic  iad  gloir 
agus  maise  an  Tighearna. 

Ged  chuireadh  duine  seachad  uile  laithean 
a  bheatha  ann  an  oo-choniunn  Dhe  cha  rann- 
saicheadh  e  ach  earlais  bheag  d'a  ghloir  agus 
cha'n  fhaiceadh  e  ach  earlais  bheag-  d'a 
mhaise.  Tha  gloir  os  cionn  gloire  is  maise 
air  chid  maise  ann  an  Dia,  agus  eadhon  do 
na  naoimh  a  chuireas  seachad  am  beatha  'n 
a  fhianuis  cha  teirig  ionghnadh.  Ma  tha 
sin  fior  a  thaobh  nam  naomh,  nach  beag  de 
mhaise  no  de  ghloir  an  Tighearna  as  urrainn 
dhaibh-san  fhaicinn  aig  nach  'eil  miann  'n 
an  cridhe  air  fantuinn  'n  a  lathair  idir?  Is 
e  am  peanas  a  thuiteas  orra  gu'm  fas  iad  dall. 
Nach  mor  an  diteadh  e  do  dhaoine  gu'm 
biodh  maise  na  diadhachd  agus  na  diadhaidh- 
eachd  air  a  chur  fa  chomhair  an  sul  ann  an 
losa  Criosd  agus  gu'n  tionndadh  iad  air 
falbh,  ag  radh,  cha'fi'eil  sgeinih  no  gritmeas 
aige  gu'n  amhai7'ceamaid  air,  ni  mo  tha 
maise  aige  gu'71  iarramaid  t ! 

Far  a  bheil  ar  n-ionmhas  an  sin  bidh  ar 
cridhe;  bha  cridhe  an  t-salmadair  ann  an 
tigh  Dhe  a  chionn  gu'm  b'e  Dia  a  sholus  agus 
a  shaoibhreas. 

Tha  tart  air  m'  anam  'n  geall  air  Dia 

'N  geall  air  an  Dia  ta  be6 

0  c'uin  a  thig  's  a  nochdar  mi 

Am  fianuis  Dhia  na  gloir? 

Is  ann  dhaibh-san  aig  a.  bheil  an  ionndrainn 
bheo  so  air  Dia  a  dh'  fhoillsicheas  Dia  a 
mhaise  agus  a  ghloir.  Gheibh  iad  anns  an 
t-saoghal  so  fhein  dearbhachd  air  na  nithean 
a  tha  siorruidh,  agus  roimh-bhlas  de'n 
aoibhneas  a  tha  feitheamh  orra  an  uair  a  chi 
iad  e  aghaidh  ri  aghaidh. 


ANNS    A    CHATHAIR. 

An  raoir  bha  mi  a'  leughadh  an  leabhair  a 
bha  air  a  sgriobhadh  mu'n  Ollamh  Wallace 
Williamson  leis  a'  Mhorair  Sands,  is  dhuisg 
an  leabhar  uiread  smuaintean  agus  uiread 
chuimhneachan  'n  am  inntinn  's  gu'm  bu 
mhaith  learn  a  ghabhail  mar  cheann-seanchais 
air  a'  mhios  so. 

An  uair  a  bha  air  innseadh  an  toiseach  gur 
e  am  Morair  Sands  a  bha  dol  a  sgriobhadh 
beatha  Wallace  Williamson  gu  dearbh  cha  do 


shaoil  mi  gu  robh  an  duine  ceart  air  a 
shonrachadh,  oir  bha  amharus  agam  gu'm 
biodh  solus  fuar  is  fionnar  an  iagha  car 
laidir  air  son  Wallace  Williamson.  Ach  cha' 
robh  anns  an  amharus  sin  ach  amharus  fhein, 
rud  gun  bhun  gun  bharr ;  cha  b'  urrainn 
Wallace  Williamson  a  bhi  air  a  chur  'n  a 
sheasamh  ann  an  solus  a  bu  choibhneile  agus 
a  bu  bhlaithe  na'n  solus  anns  an  I'obh  am 
Morair  Sands  'g  a  fhaicinn  uile  laithean  a 
bheatha. 

Ann  an  aon  seadh  tha  e  anabarrach 
freagarrach  gu'm  biodh  beatha  mhinistearan 
air  an  sgriobhadh  leis  a'  Mhorair  Sands,  oir 
tha  e  na's  gaolaiche  air  a  bhi  bruidhinn  mu 
shearmoin  na  tha  a'  mhor-chuideachd  de  na 
ministearan  f^in  ;  cha  mhor  nach  'eil  e  cho 
gaolach  air  a  bhi  bruidhinn  mu  shearmoin 
agus  mu  chinn-teagaisg  's  a  bha  an  t-Ollamh 
Seumas  Cameron  Lees  nach  maireann. 

RICH  AM  MEASG  CHAICH. 

Bho  chionn  ceud  bliadhna  cha  robh  duine 
ann  an  eaglais  na  h-Alba  a  thainig  a  steach 
d'a  rloghachd  cho  luath  agus  cho  furasda  ri 
Wallace  Williamson  ;  no  duine  eile  a  ghleidh 
a  chrim  cho  fada  agus  cho  cinnteach.  'Na 
choig  bliadhna  fichead  bha  e  air  a  shuidheach- 
adh  OS  cionn  aon  de  na  coimhthionailean  a 
bu  mho  an  Albainn,  eaglais  ann  an  Lite  far 
an  robh  da  mhile  de  luchd-comanachaidh, 
agus  bliadhna  'na  dheidh  sin  bha  e  air  a 
ghairm  do  eaglais  an  Naoimh  Cuthbert  an 
Duneideann  far  an  do  choimhlion  e  a  chuid 
a  b'  fhearr  agus  a  b'  fhaide  d'a  mhinistreal- 
achd.  Bho  thus  a  laithean  bha  e  air  a 
chunntas  am  measg  nan  searmonaichean  a  b' 
fhearr  an  Albainn,  agus  anns  na  bliadhnachan 
mu  dheireadh  bha  e  'n  a  phearsa-eaglais  cho 
comharraichte  agus  cho  cumhachdachd  anns 
an  diithaich  's  gu  robh  e  'n  a  righ  beag  am 
measg  chaich.  Ach  b'e  sin  an  righ  baigheil 
agus  an  righ  iriosal ;  cha  robh  am  freumh  a  bu 
lugha  de  ndioralachd  no  de  uabhar  ann  ;  is 
cha  do  dhichuimhnich  e  riamh  a'  charraig  as 
an  do  ghearradh  e,  no  toll  an  t-sluichd  as  an 
do  chladhaicheadh  e.  Bha  uiread  tiiir  is 
gliocais  is  maitheis  ann  an  cridhe  Wallace 
W^illiamson  gu  nadurra  's  nach  gabhadh  e 
milleadh  ;  ged  bha  an  saoghal  agus  an  eaglais 
a'  seideadh  suas  a  chinn  fad  da  fhichead 
bliadhna  le  iomadh  seorsa  builg  dh'  fhairtlich 
e  orra  riamh  gaoth  no  at  a  chur  ann  ;  an 
deireadh  a  laithean  bha  e  cho  grinn  iriosal  's 
a  bha  e  'n  a  bhalach  bochd. 

DUAIS    AN    T-SEARMONAICHE. 

Cha'n'eil  urram  no  inbhe  as  urrainn  eaglais 
na  h-Alba  a  thoii-t  do  mhinistear  nach  tainig 


19 


gu  Wallace  Williamsdu  m"  an  do  chriochnaicli 
e  a  chiirsa,  is  fhuair  e  uile  iad  mar  dhuais  a 
sliearmonachaidh.  Fad  iomadli  bliadhna  cha 
do  ghabh  e  moraii  gnothuich  li  obair  an  Ard 
Sheanaidli,  ach  an  uair  a  bha  duine  a  dhith 
orra  ann  an  1915  a  bhiodh  'n  a  sheorsa  de 
c'heann  aiv  an  t-Seanadli  chuii-  a  braithrean 
Wallace  Williamson  ann  an  aite  Scott  gu  h- 
aonsgeulacli.  Bha  fichead  niinistear  eile  anns 
an  t-Seanadh  a  b'  eolaiche  air  an  obair  na 
Wallace  Williamson,  agus  a  b'  fhearr  ceann 
na  e  ann  an  reiteachadh  ghnothuichean,  ach 
bha  e  air  a  thaghadh  air  thoiseach 
air  each  a  chionn  giv'n  do  choisinn  a 
shearmonachadh  uiread  meas  dha  anns  an 
eag-lais.  A  dh'  aindeoin  ciod  a  bhithear  ag 
radh  niu  shaoghaUachd  na  h-eagiais  agus  mu 
fhasain  a'  mhargaidh  a  tha  tolladh  a  steach 
innte,  tha  meas  anns  an  eaglais  daonnan  air 
ministearan  a  tha  'n  an  searmonaichean 
maith  nach  'eil  air  seorsachan  eile  ;  tha  meas 
orra  nach  'eil  air  daoine  a  dh'  fhagas  facal 
Dhe  gu  bhi  frithealadh  bhord  no  gu  bhi 
sgoltadh  lagha.  B'e  sin  an  t-aobhar  g"u'n  d' 
fhuair  Wallace  Williamson  na  bha  aige  de 
ughdarras  agus  de  chumhachd  anns  an  eaglais 
ann  an  deireadh  a  laithean,  gu'n  do  leig  e 
seachad  an  lagh  agus  na  biiird  agus  gach 
treathlaich  shuarrach  eile,  agus  gu'n  do 
bhuanaich  e  ann  an  obair  spioradail  na 
ministrealachd  agus  ann  am  frithealadh  an 
fhacail.  Tha  e  feumail  do'n  eaglais  daonnan 
ministearan  a  bhi  innte  a  tha  suas  ri  lagh 
agiis  ri  Eabhra  agus  ri  gnothuichean,  ach 
foghuaidh  na  dh'  fhoghnas  dhiubh  sin,  agus 
b'  i'hearr  do  chach  an  neart  uile  a  chur  ann  an 
obaii'  spioradail  na  ministrealachd  agus 
leigeil  leis  a'  bheagan  na  gnothuichean  sin  a 
riaghladh. 

lONGHNADH  A  SHEARMONACHAIDH. 

Bha  mise  an  Duneideann  anns  na  bliadh- 
nachan  anns  an  robh  Wallace  Williamson  'n 
a  Ian  neart  is  bhithinn  ar  uairean  a'  dol  'g  a 
eisdeachd,  ach  feumaidh  mi  aideachadh  nach 
cuirinn  am  measg  searmonaichean  mora  na 
h-Alba.  e,  na  'm  bithinn  'g  a  thomhas  le  m" 
inntinn  no  le  mo  bhreithneachadh  fein  a 
mhain.  Bha  mi  daonnan  a'  faireachadh  gu'm 
bu  duine  maith  e  ag-us  gu  robh  a  shearmon- 
achadJi  os  cionn  a'  chumantais,  is  bu  toigh 
leam  a  bhi  anns  an  t-suidheachan  an  uair  a 
bhiodh  e  anns  a'  chubaid,  ach  cha  tainig  e 
riamh  a  steach  orm  gu  robh  e  am  measg  nan 
searmonaichean  mora.  Ach  air  a  shon  sin 
tha  neul  mor  de  fhianuisean  anns  an  eaglais 
a  chuireadh  Wallace  Williamson  fada  fada  na 
b'  airde  mar  shearmonaiche  na  chuirinn-sa  e, 
aguis  feumaidh  mi  a  radh  gu  bheil  coslas  na 


flrinn  air  am  beachd.  B'e  an  driiidheadh  a 
rinn  a  shearmonachadh  orra,  agus  gun  e  ach 
ceithir  bliadhna  fichead  aig-  an  am,  a  thug  air 
muinntir  Lite  a  thaghadh  ann  an  1882,  agus 
b'  e  a'  cheart  aobhar  a  thug  air  coimhthional 
St.  Cuthbert's  a  thoirt  bhuapa  m'  an  robh  e 
ann  an  Lite  ach  bliadhna.  Ma's  fior  na  tha 
air  a  radh  anns  an  leabhar  so  tha  cuimhne  aca 
fhathast  ann  an  Lite  air  cuid  de  na  searmoin 
a  thug  Wallace  Williams  n  dhaibh,  agus  an 
dmuhlachd  sluaigh  a  bhiodh  ag  larraidh  a 
steach  do'n  eag-lais  "g  a  chluinntinn. 

Tha  mise  an  duil  gu'n  d'  abuich  inntinn 
agus  buadhan  Wallace  Williamson  fada  na 
bu  traithe  agus  na  bu  luaithe  na  dh'  abuich 
an  fheadhainn  a  bha  comhla  ris  anns  a' 
Chollaiste,  agus  gu'n  do  lean  cliii  'oige  ris 
uile  laithean  a  bheatha,  agus  an  t-ionghnadh 
a  dhuisg  a  shearmonachadh  'n  a  fhior  ghille 
6g.  Ged  dh'  fhas  e  ann  an  gliocas,  ann  an 
eolas,  ann  an  breithneachadh,  agus  ann  an 
ughdarras,  an  deidh  laimhe,  tha  mi  de'n 
bheachd  nach  d'  fhas  e  ann  an  cumhachd 
searmonachaidh  seach  mar  bha  e  'n  a  dheich 
bliadhna  fichead.  Ach  tha  so  ri  radh  cuid- 
eachd  nach  deachaidh  e  air  ais  agus  nach  do 
chain  e  riamh  an  t-aite  a  choisinn  e  dha  fhein 
cho  6g. 

Chuir  e  ionghnadh  orm  iomadh  uair  c'ar 
son  a  dh'  fhag  e  eag-lais  Lite  cho  trath,  gun 
ach  seirbhis  aon  bhliadhna  a  thoirt  do  choimh- 
thional  a  chuir  urram  mor  air  agus  a  nochd 
coibhneas  mor  dha.  Cha  robh  e  coltach  ri 
rud  a  dheanadh  Wallace  Williamson,  oir  bha 
e  'n  a  fhior  dhuine-uasal  agus  suairc  an  da 
chuid  'na  chridhe  agus  'n  a  choguis.  Cha 
b'e  sannt  no  g-loir  dhiomhain  a  thug  air  Lite 
fhagail  :  dh'  fhag  e  e  a  chionn  gu  robh  dochas 
aige  saorsa  fhaotainn  o  chuing  a  bha  trom  air 
anns  an  aite  eile  far  nach  ruigeadh  e  a  leas 
ach  searmonachadh  aon  uair  a  h-uile  Sabaid, 
agus  far  am  faodadh  e  na  searmoin  a  sgriobh 
e  ann  an  Lite  a  liubhairt  a  ris.  Bha  e 
gaolach  air  sin  a  dheanamh  co  dhiii ;  cha  do 
sgriobh  e  uiread  shearmon  's  a  shaoileadh  tu, 
agusi  anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh  gu 
sonraichte  bhiodh  ©  a'  toirt  seachad  seann 
fheadhainn  gu  maith  trie.  Theagamh  nach 
mi-chord  so  ris  an  t-suidheachan  idir  cho 
dona  's  a  shaoileas  a'  chubaid  ;  cha  chuir  e 
dragh  no  carraid  air  coimhthionail  searmon 
maith  fhaotainn  da  uair,  ach  cuiridh  e  dragh 
is  carraid  orra  droch  fliear  fhaotainn  seachd 
uairean. 

CUMHACHD  A'  GHRAIDH. 

Bha  e  soilleir  gu  leoir  gu  robh  neart  is 
cumhachd  dhiomhair  air  chor-eigin  ann  an 
Wallace  Williamson,  oir  mur  bitheadh  cha  'n 
fhaig-headh    e  an  t-aite  a  bha  aige  anns  an 


20 


eaglais  agus  aim  an  cridheachan  dhaoine,  acli 
tha  e  car  duilich  a  ladh  ciod  an  talaut  sh6n- 
raichte  a  bha  aige  os  cionn  dhaoine  eile. 
Cha'n'eil  inise  an  dull  gu  robh  talant  shon- 
raichte  aige  idir,  ach  gu  robh  a  h-uile  talant 
agus  gras  a  tha  feumail  ,is  freagarrach  do 
mhinistear  aig-e  ann  an  tomhas  pailt,  gun 
ghin  idir  'ga  dhith,  agus  gu  robh  na  grasan 
sin  air  an  deanamh  beo  is  eudmhoi'  is  mais- 
each  le  cumhachd  a'  ghraidh  a  bha  'na 
chridhe.  Bha  e  'n  a  dhuine-uasal  gu  nadurra 
agus  'n  a  dheag-h  sgoilear  le  oilean  ;  bha  e  'n 
a  dhuine  niaith  agus  'n  a  dhiune  iriosal,  a' 
creidsinn  le  uile  chridhe  na  teachdaireachd  a 
bha  e  a'  liubhairt  do  dhaoine  eile ;  bha  e  maith 
air  bruidhinn  is  bha  guth  is  pearsa  aige  a 
gheibheadh  aire  ann  an  cuideachd  air  bith ; 
bha  sin  agus  iomadh  talant  eile  aige,  air  chor 
agus  nach  'eil  ionghnadh  air  bith  leis  a' 
chothrom  a  fhuair  e  g'u'n  do  rainig  e  an  ire  a 
rainig  e  anns  an  eaglais.  Rainig  e  an  ire  sin 
gu  h-urramach  agus  gu  criosdail,  gun  fasain 
a'  mhargaidh  no  nan  cleasaichean  a 
leantuinn ;  daonnan  ag  ardachadh  an  t- 
soisgeil  agus  na  ministrealachd  ach  gun  e 
fh^in  ardachadh  idir.  Bha  e  daonnan  ag 
obair ;  dileas  do'n  eaglais;  teo-chridheach  is 
braithreil  ri  ministearan  eile,  agus  'n  a 
dhuine  cho  gaolach  e  fhein  's  gu  robh  g'aol  aig 
a  h-xiile  duine  air. 

SAOGHAL    UR. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  bha  e  'n  a 
fhasan  aig  daoine  a  radh,  an  uair  a  bu  mhaith 
leo  a'  ghlas-ghuib  a  chur  air  duine  air  bith 
aig-  an  robh  beachdan  nach  cordadh  riu,  Tha 
thu  a'  dlchuimhneachadh  gu  robh  a  leithid 
de  ni  agus  an  cos'adh  m6r  ann,  air  neo,  Tha 
thui  a  dichviimhneachadh  gu  bheil  sinn  an 
diugh  ann  an  saoghal  ur. 

Theagamh,  a  leughadair,  gu'n  d'  fhas  thu 
seachd  sgith  de'n  fhacal  sin,  agus  gu  dearbh 
dh'  fhas  mi  fhein  sgith  dheth,  is  bhithinn  ag 
r&,dh  gfu  robh  na  nithean  mora  an  diugh 
fhathast  mar  bha  iad  anns  an  t-seann  t- 
saoghal  ;  nadur  mhic  an  duine  ;  laghannan  na 
h-inntinn  ;  riaghailtean  smuaineachaidh  ;  na 
deich  aitheantan ;  teagasg  Chriosd ;  gradh 
dhaoine  d'a  cheile ;  am  midtiplication  Table; 
nach  h-urrainn  duine  am  bonnach  itbeadh 
agus  am  bonnach  a  bhi  aige  slan  aig  an  aon 
am,   agus  rudan  eile  mar  sin. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  caob  de'n  fhlrinn 
anns  an  fhacal,  gu  bheil  sinn  an  diugh  ann 
an  saoghal  iir.  Tlia  an  saoghal  an  da 
chuid  na's  motha  agus  na's  lugha  na  bha  e  o 
chionn  leth  cheud  bliadhna ;  na's  motha  a 
chionn  gu  bheil  barrachd  dhaoine  ann,  agus 
na's  lugha  a  chionn  gu'n  t6id  agad  air   dol 


mu'n  cuairt  air  anns  an  deicheanili  cuid  de'n 
nine  a  ghabhadh  tu  roimh©  so.  Tha  a  h-uile 
c«&,rn  is  crioman  de'n  t-saoghal  air  fhaotainn 
a  mach  a  nis,  agus  a  h-uile  crioman  air  a 
roinn  am  measg  nan  rioghachdan,  air  chor 
agus  ma  tha  tuilleadh  fearainn  a  dhith  air 
rioghachd  air  bith  gu'm  fevun  i  fhaotainn  o 
rioghachd  eile.  Tha  barrachd  rioghachdan 
anns  an  t-saoghal  a  nis  na  bha  ann  ann  an 
1914,  agus  cuid  dhiubh  aig  nach  'eil  moran 
gliocais,  no  idir  eolas  air  sith  a  ghleidheadh  r' 
an  coimhearsnaich.  An  aithne  dhuit,  a 
leughadair,  c'aite  a  bheil  Aserbaijan,  no  ciod 
an  sluagh  a  tha  ann?  Tbeagamh  gu'n  toir 
sin  ort  a  chreidsinn  gu  bheil  thu  ann  an 
saoghal  ur  !  Mur  aithne  dhuit  c'  aite  a  bheil 
Aserbaijan  ciamar  a  leigeas  do  naire  leat  dol 
do'n  bhocsa.  gus  do  chrois  a  chur  slos  a 
thaghadh  Parlamaid? 

Tha  sinn  ann  an  saoghal  ur  a  thaobh 
cogaidh.  Tha  cogadh  cho  sean  ris  a'  che6  no 
ri  Satan,  a'  tighinn  o  shannt  agus  o  dhroch 
nadur  mhic  an  duine  mar  thainig  e  riamh, 
ach  tha  cogadh  an  diugh  air  a  dheanamh  le 
innealan  a  tha  cho  eu-coltach  ris  an  t-seann 
fheadhainn  's  gu  bheil  e  'n  a  rud  ur.  An 
uiridh  chosd  an  rioghachd  againn  f^in 
seachd  fichead  agus  a  h-ochd  de  mhlltean  not 
a'  feuchainn  ri  fhaotainn  a  mach  ciod  an 
seorsa  puinnsean  as  marbhtaiche  agus  as 
fhasa  a  sheideadh  air  sgiathaibh  na  gaoithe. 
Uair-eigin  de'n  t-saoghal  theirteadh  laoch 
no  gaisgeach  ris  an  duine  a  bha  'n  a  shaigh- 
dear  maith,  ach  cha  'n  fhada  a  bhios  feum 
idir  air  laoich  no  gaisgich  ann  an  cogadh  a 
nis,  no  air  gunna  no  beigealait ;  faodaidh 
dha  no  tii  de  dheamhain  bheaga  ris  an  abrar 
chemists  sgrios  obann  a  dheanamh  air  deich 
mile  gaisgeach  ann  an  aon  mhionaid  le  toit 
is  puinnsean.  Tha  corr  agus  da  cheud  duine 
fo  phaigheadh  aig  Ceann  an  Airm,  agus 
miltean  de  chreutairean  air  am  marbhadh 
leo  a  Ivuile  bliadhna,  coin  is  cait  is 
coinneanan,,  gus  an  obair  so  a  chur  air 
aghaidh ;  obair  air  nach  urrainn  mise  ainm 
eile  a  chur  ach  obair  Shatain. 

Tha  marsantachd  is  malairt  an  airgid  an 
diugh  air  fas  'n  an  nithean  ura,  olr  cha'n'eil 
na  bancairean  fein  'g  an  tuigsinn  gu  ceart, 
agus  cha  mho  a  tha  fhios  aca  c6  na  rioghach- 
dan a  tha  briste  agus  co  an  fheadhainn  nach 
'eil.  Tha  an  luchd-ealadhain  a'  toirt  dhuinn 
foillseachadh  ur,  foillseachadh  a  chuireas  as 
as  an  rathad  cuid  de  na  seana  bheachdan 
a  bha  againn  a  cheart  cho  cinnteach  's 
a  chuir  na  sgoilean  ruaig  air  na  tamhaisg 
agus  air  na  sithichean.  Cha'n'eil  sithiche 
an  diugh  anns  an  duthaich  ach  aon 
chreutair  beag  laghach  a  tha  fuireach  ann  an 
cnoc  gorm  an  Cille-sgumain. 


1929. 


Thubhairt  na  Greugaich,  Bu  mhiann  leinn 
losa  fhaicinn. — Eoin  xii,  21. 

Thubhairt  losa,  A  nis  tha  m'anam  fo 
dmhghar,  agus  ciod  a  their  mi. — Eoin  xii,  27. 
Geci  is  ann  gu  sluagh  Israeil  a  thainig 
Criosd  an  toiseach  rainig  fuaim  a  theachd 
na  cinnich  mar  an  ceudna.  Thainig  cuid 
dhiubh  'g-  a  fhaicinn  an  uair  a  bha  e  'n  a 
leanabh,  agus  bha  cuid  dhiubh  niaille  ris  an 
uair  a  bha  e  air  a  cheusadh.  Aig  uair  a 
theachd  thainig  Cinnich  eagnaidh  o  dhuth- 
channaibh  cein  le  tabhartas  luachmhor 
dha,  a'  ooimhlionadh  an  fhacail  a  bha 
sgriobhta,  Thig  Cinnich  a  dh'  ionnsuidh  do 
sholuis  agus  righrean  a  dh'  ionnsuidh  do 
ghrian-eirigh.  Agus  a  nis  an  uair  a  bha  an 
t-am  dliith  anns  an  robh  e  ri  bhi  air  a  thogail 
suas  o'n  talamh  air  a'  chrann-cheusaidh 
thainig  na  Cinnich  so  no  na  Greugaich  so 
thuige  le  tabhartas  a  bu  luachmhoire  na  or 
no  tuis  no  mirr.  Thainig  iad  thuige  a  dh' 
iarraidh  air  lerusalem  a  sheachnadh  agus 
ci'iochan  nan  ludhach  fhagail  agus  dol  leo 
fein  g-reis  los  gun  sabhaladh  e  a  bheatha  o 
na  naimhdean  a  bha  an  toir  air. 

A  reir  beul-aithris  na  h-eaglais  bha  na  Greu- 
gaich ud  'n  an  daoine  caomhail  ged  nach  b'ann 
d©  chuideachd  losa  iad.      Ach  ged  nach  robh 
annta    ach    coimhich    do    chomh-fhlaitheachd 
Israeil    agus   coigrioh    do   chioimhcheanglaibh 
a'  gheallaidh,  bha  an  coguis  a'   toirt  urram 
do  dhiadhaidheachd  losa  agus  cha  bu  mhaith 
leo  gu'm  biodh  eucoir  no  lamhachas-laidir  air 
a  dheanamh  air,  na'n  gabhadh  sin  seachnadh 
Chual  iad  gu  robh  na  h-IudhaicH  ag  iarraidh 
a   chur   gu   bas,    agus   gii  robh  e  coltach  nach 
b'  fhada  gus  am  faigheadh  iad  run  an  cridhe 
mur   deanteadh   dealbh   air   chor-eigin    air   a 
shaoradh  as  an  lamhan.     Mar  sin  chuir  iad 
romhpa  dol  'ga    ionnsuidh    agus    a    chunnart 
innseadh  dha.     Dh'  iarr  iad  air  a  dhuthaich 
agus  a  dhaoine  fhagail,  is  dol  oomhla  riusan 
d'    an    duthaich    fein,     far    am    faigheadh    e 
cairdeas   is  aoigheachd.        Fhreagair   losa, — 
A  nis  tha  rri'  anam  fo  dmhghar  agus  ciod 
a  their  mil     An  ahair  mi,  Athair,  saor 
mi  o'n  uair  so.     Cha'n  ahair,  oir  is  ann 
air  a  shon  so  a  thainig  mi  chum  na  h- 
njaire  so.     Athair,  glbraich  fainm. 
I.   Ged    bha    na  Greugaich    a'    ciallachadh 
coibhneas    a'    nochdadh    do  losa     chuir    iad 
buaireadh  'na  rathad.     Cha  robh  olc  'n  am 
beachd    ach  is  maith  do'n  t-saoghal  nach  do 
ghabh  e  an  comhairle.     Anns  an  fhasach,  da 
bhliadhna   roimh   so,    dhiult    e   eisdeachd   ri 


cuilbheartan  Shatain,  agus.  rinn  e  suas 
inntinn  nach  b'urrainn  da  an  saoghal  a 
thearnadh  na'n  tearnadh  e  fein.  Fad  laithean 
a  mhinistrealachd  bha  guth  an  t-saoghail, 
agus  air  uairean  guthan  a  chairdean  ag 
iarraidh  air  Calbhari  a  sheachnadh  agus 
rioghachd  Dhe  a  chur  air  chois  air  dhoigh 
eile,  ach  chunnaic  e  gu  soilleir  nach  gabhadh 
sin  deanamh,  agus  gu'm  feumadh  e  a  bheatha 
a  thoirt  seachad  chum  an  saoghal  a  chosnadh. 
Mur  faigh  an  grdinne  cruithneachd  a  thuiteas 
anns  an  talamh  has,  fanaidh  e  'n  a  aonar, 
ach  ma  gheihh  e  has  hheir  e  toradh  mor  unith- 

Bha  Peadar  agus  an  corr  de  na  h-abstoil 
am  beachd  nach  ruigeadh  losa  a  leas 
fulang  air  a'  chrann-cheusaidh  agus  gu'm 
faodadh  obairna  saorsa  a  bhi  air  a  deanamh 
as  eugmhais  dortadh  fala.  Bha  iad  ag-  radh 
so  ris  gun  sgur  agus  ag  iarraidh  air  an 
comhairle  a  ghabhail.  An  ionghnadh,  mata, 
ged  thigeadh  teagamh  'n  a  chridhe  air 
uairean  gu'm  faodadh  iadsan  a  bhi  oeart 
agus  e  fein  a  bhi  cearr  '\  B'e  so  am  buaireadh 
sonraichte  a  thainig  gu  losa  an  drasd  's  a 
ris,  an  iom-chomhairle  anns  an  robh  e  eadar 
guth  an  t-saoghail  agus  an  g^uth  a  bha  e  a' 
cluinntinn  'n  a  chridhe  fein.  Ach  ged  bha 
fheoil  air  uairean  an  impis  failneachadh ; 
ged^  mhiannaicheadh  e  geill  a  thoirt  d'a 
ehairdean,  agus  fulangas  a'  bhais  a  sheach- 
nadh, bha  solus  inntinn  is  gradh  anama  fein 
'ga  cho-eigneachadh  gus  an  cupan  searbh 
ol.  Bha  e  'n  a  aonar  an  aghaidh  an  t- 
saoghail,  ach  air  dha  bhi  dileas  do'n  t-solus 
a  fhuair  e  o  shuas  agus  leigeil  le  comhairle 
a  chridhe  fein  seasamh  fhuair  e  buaidh  air 
an  t-saoghal  agus  nochd  e  d'a  bhraithrean  an 
t-slighe  air  an  coir  dhaibh  imeachd.  Iadsan 
a  bhios  dileas  do'n  t-solus  a  chuir  Dia  'n  an 
cridhe  agus  'nan  coguis  cha  'n  imich  iad  ann 
an  dorchadas,  oir  socruichidh  Dia  an  ceum- 
anna  agus  cuiridh  e  an  casan  air  carraig. 

II.  An  uair  a  bha  Criosd  an  iom-ohomh- 
airle  rinn  e  urnuigh.  Cha  robh  fhios 
aige  ciod  a  theireadh  e,  agus  labhair  e  an 
smuain  a  bha  'na  chridhe,  Tha  m.'  anam  fo 
dmhghar  agus  ciod  a  their  mil  Rinn  e  an 
rud  a  bhiodh  e  a'  deanamh  daonnan  an  uair 
a  bhiodh  an  t-slighe  dorcha ;  dh'  iarr  e  solus 
is  neart  o  Dhia.  Cha'n  abradh  e,  Athair 
saor  mi  o'n  uair  so,  ach  rinn  e  iirnu'igh  a  b' 
fhearr  ag-us  a  bu  mhacanta,  Athair,  gldraich 
t'ainm.  Cha  'n  'eil  innte  ach  tri  facail  uile 
gu  leir  ach  tha  cridhe  na  diadhaidheachd  uile 
innte. 


22 


Bu  bhiadh  agus  bu  clheoch  do  Chriosd  toil 
Dhe  a  dheanamh,  agus  is  ann  chum  toil  Dhe 
fhaotainn  a  mach  a  labhair  e  an  uirnigh  so. 
Fhuair  e  ann  an  dluths  ri  inntinn  is  toil  Dhe 
ris  nach  d'  fhuair  neach  eile  air  thalamh 
riamh,  agus  fhuair  e  sin  a  ohionn  gu  robh 
oo-chomunn  aige  gun  sgur  ri  Dia  ann  an 
urnuigh.  Bhiodh  e  ag  eirig-h  roimh  'n 
ghrein  los  cothroim  fhaotainn  air  iirnuigh 
uaignich;  an  Jeidh  d'a  chompanaich  dol  a 
chadal  bhiodh  e  a  mach  air  an  raon  a' 
gleachd  ri  Dia.  Ach  chunnacas  a  thoradh 
sin  'n  a  bheatha ;  chunnacas  a  thoradh  air 
uairean  'n  a  aodann.  Bha  sith  Dhe  'na 
chridhe  a  ohionn  gu  robh  ainm  Dhe  a  ghnath 
air  a  bhilean.  Foillsichidh  Dia  a  thoil 
dhaibh-san  a  tha  trie  air  an  gliiinean.  Chi 
na  daoine  a  bhios  ag  urnuigh  iomadh  ni  a  tha 
folaichte  air  daoine  nach  bi. 

Fhreag-air  Dia  urnuigh  Chriosd  mar  a 
fhreagras  e  gach  urnuigh  eile  a  tha  fior  is 
treubhdhlreach.  Ghloraich  e  ain'm  fein ; 
ghloraich  e  e  ann  a  bhi  nochdadh  dha  na 
slighe  air  am  bu  choir  da  imeachd,  agus  ann 
a  bhi  toirt  dha  neart  is  misneach  gu  coiseachd 
oirre.  Chunnaic  losa  nach  robh  ann  an 
cuireadh  coibhneil  nan  Greugach  ach 
buaireadh  iir  o'n  t-saoghal,  is  thionndaidh 
e  air  falbh  o'n  bhuaireadh.  Agus  bha  e  cho 
cinnteach  gu'm  b'e  sud  toil  Dhe  d'a  thaobh 
's  gu'n  dubhairt  e,  A  nis  tha  hreitheanas  an 
Usaoghail  so  ann,  a  nis  tilgear  uachdaran  an 
t-saoghail  so  mach. 

III.  Tha  an  urnuigh  so  a'  teagasg  dhuinn 
ciod  is  coir  dhuinn  a  dheanamh  an  uair  a 
bhios  ar  n-anam  fo  amhghar  no  bhios  sinn 
an  iom-chomhairle.  Tha  an  fheoil  anfhann 
is  tha  e  nadurra  gu  leoir  do  dhaoine  a  radh, 
A  Thighearna,  saor  mi  o'n  chall  so;  o'n 
naire  so;  o'n  phian  so;  o'n  uallach  so;  o'n 
teinn  so.  Tha  an  athchuinge  so  gle  nadurra 
air  bilean  dhaoine,  ag-us  theagamh  gu'm  bi 
i  air  bilean  iomadh  duine  nach  do  rinn 
urnuigh  eile  riamh.  Ach  tha  urnuigh  as 
fhearr  ann  a  bu  choir  dhuinn  a  radh,  Athair, 
gloraich  t'ainm.  Mar  gu'n  abradh  an  duine 
a  tha  ag  urnuigh,  Tha  mi  leagta  ri  do  thoil, 
a  Thighearna,  nochd  fein  dhomh  an  t-slighe, 
agus  stiiiir  mo  cheum,  agus  fan  maille  rium. 

Trie  g-u  leoir  bidh  briathran  na  laoidh  so 
air  ar  bilean,  agus  ann  an  tomhas  bidh  sinn 
'g  an  ciallachadh  gu  'fior, 

Dliith  ort,  mo  Dhia,   gu'm  bith'?in, 
Dluth,  is  na' s  dluith, 
Seadh  ged  b'e  ceusadh  fein 
Dh'   drdaicheadh  mi. 

Ach  an  uair  a  fhreagras  Dia  ar  n-urnuigh 
le  crois  air  chor-eigin  a  chur  'n  ar  crannchur 
chum    ar    smachdachadh  agus  ar    toirt    na's 


dluithe  ris  fein  toisiohidh  sinn  air  gearan 
agus  ni  sinn  ceannaire  an  aghaidh  a  thoile 
agus  a  riaghlaidh.  Ach  cha'n  fhaigh  sinn 
dliith  cho-chomunn  ri  Dia  g-u  brath  gun  toil 
na  feola  a  cheusadh.  Cha  do  shaor  Dia  a 
mhac  o'n  amhghar  a  bha  cur  eagail  air,  ach 
fhreagair  e  urnuigh  air  dhoigh  eile  agus  air 
dhoigh  a  b'fhearr ;  thug  e  dha  neart  is 
misneach  dol  air  aghaidh  agus  thug  e  dha  an 
inntinn  leis  an  dubhairt  e,  Cha  'n  e  mo 
thoil-sa  ach  do  thoil-sa  gu  robh  deanta. 

IV.  Tha  uile  an-shocair  is  uile  mhi- 
shuaimhneas  an  duine  ag  eirigh  o'n  stri  a 
tha  eadar  a  thoil  agus  toil  Dhe.  Tha 
cogadh  gun  sgur  ©adar  toil  is  inntinn  an 
duine  nadurra  agus  toil  is  inntinn  Dhe. 
Ach  do  bhrigh  gu  bheil  Dia  iomlan  an  giiocas, 
an  ceartas,  agus  an  gradh,  tha  e  cearr  do 
dhuine  cogadh  'n  a  aghaidh,  agus  is  e  an 
tiodhlac  a  b'fhearr  a  b'urrainn  sinn  fhaotainn 
bhuaith,  gu'm  bitheamaid  striochta  d'a  thoil. 

Tha  e  duilich  air  uairean  a  bhi  leagta  ri 
toil  Dhe,  direach  mar  bha  e  duilich  do 
Chriosd  aghaidh  a  chur  air  Calbhari  seach 
gabhail  ri  cuireadh  nan  Greugach,  ach  is  e 
iadsan  a  cheusas  an  fheoil  a  thearnas  an 
anam.      Athair,    gloraich  t'ainm. 

ANNS    A'    CHATHAIR. 

Tha  e  air  a  radh  nach  'eil  e  freagarrach 
no  deusanta  do  mhinistearan  a  bhi  bruidhinn 
air  searmonachadh  na's  mo  na  tha  e  deusanta 
do  ghreusaiche  a  bhi  bruidhinn  air  brogan, 
no  do  ghille-tuathanaich  a  bhi  bruidhinn 
air  treabhadh.  i\.ch  cha'n  'eil  naire  air  bith 
orm-sa  a  radh  gur  toigh  leam  a  bhi  bruidhinn 
mu  shearmonachadh,  agus  gur  toigh  leam  a 
bhi  cluinntinn  dhaoine  eile  a'  bruidhinn  uime 
cuideachd.  Cha  rachainn  fad  no  choise  a 
dh'  eisdeachd  .greusaiche  a'  bruidhinn  air 
treabhadh,  no  a  dh'  eisdeachd  gille-tuathan- 
aich  a'  bruidhinn  air  uachdair  bhrog  is 
gearr-bhuinn ;  b'fhearr  leam  gu  moir  gaoli 
fear  dhiubh  a  thoirt  an  aire  air  a  ghnothuch 
fein. 

Mar  sin  cha  ruig  mi  leas  mo  lethsgeul  a 
ghabhail  air  son  tarruing  a  thoirt  air 
searmonachadh  aon  uair  eile  air  an  duilleig 
so,  oir  a  dh'  aindeoin  gu  bheil  moran  dhaoine 
a'  eur  na  h-oifig  sin  an  siiarrachas  an  diugh 
tha  mi  a'  creidsinn  nach  'eil  gin  idir  de  na 
meadhonan  leis  a  bheil  an  eaglais  a'  cur  air 
aghaidh  rioghachd  Dhe  anns  an  t-saoghal  a 
tha  cho  eifeachdach  ri  searmonachadh. 

Tha  e  duilich  a  radh  co  dhiu  a  tha  an 
searmonachadh  a  chluinnear  anns  na  laithean 
so  na's  fhearr  no  na's  miosa  na  bha  e  anns 
na  laithean  a  dlV  fhalbh.  Their  seann  daoine 
nach  'eil  an  dara  cuid  cumhachd  no  ughdarras 
anns  na  ciibaidean   an  diugh  mar  bha  annta 


23 


leth  cheud  bliadhna  roimh  so,  ach  bha  seann 
daoine  ag  radh  an  ni  oeudna  o  thoiseach  an 
t-saoghail.  Ach  'na  aghaidh  sin  tha  so  ri 
radh,  nach  'eil  seorsa  leabhraiohean  air  an 
t-saoghal  air  a  bheil  cho  beag  de  mheas  anns 
a'  mhargadh  ris  na  searmoin  aig  seann 
diadhairean.  Theagamh  gu'm  faigh  thu 
fichead  dhiubh,  air  tasdan  no  eadhon  air  grot; 
Boston  agus  Blair  agus  Hall  agus  Chalmers 
agus  Candlish  air  an  ceangal  ann  an  cean- 
glaichean  nan  marbh,  agus  air  an  reic  air  se 
sgillinn.  Ach  cha  chuireadh  na  oeart  dhaoine 
a  bhios  ag  ardachadh  nan  searmonaichean 
sin  OS  cionn  feadhainn  an  la  diugh  sgillinn 
eiJe  orra. 

An  rud  a  fhreagras  air  aon  ghineil 
oha  fhreagair  e  air  ginealan  eile;  ged 
nach  'eil  an  soisgeul  fein  ag  atharrachadh 
tha  an  doigh  anns  a  bheil  an  soisgeul  air  a 
theagasg  agus  air  a  thuigsinn  ag  athar- 
rachadh linn  as  deidh  linn.  Co  an  diugh  a 
dh  'eisdeadh  ri  ministear  a'  searmonachadh 
air  na  briathran  bithidh  ochd  hvird  ann  agus 
an  casan  a  dh'airgiod,  se  casan  deug  ;  dd  chois 
fo  aon  hhord,  agus  dd  chois  fo  hhord  eile, 
agus  a'  searmonachadh  orra  fo  she  deug 
ceann,  ceann  air  son  gach  coise,  agus  caisteal 
na  h-uarach  aige  air  gach  oeann  ?  Theagamh 
gu'n  cluinnear  iomadh  rud  neonach  o  chu- 
baidean  an  diugh  fhathast  ach  tha  mi  an 
diiil  nach  cluinnear  stalcaireachd  de'n  seorsa 
so  bhuapa  co  dhiu.  Bha  na  beachdan  a  bha 
aca  mu  Fhacal  an  Tighearna  a'  toirt  air  na 
seann  diadhairean  a  shaoilsinn  gu  robh 
brigh  dhiomhair  is  spioradail  anns  a  h-uile 
facal  de'n  Bhiobull,  c6  air  bith  a  labhair  am 
facal,  Dia  no  duine,  naomh  no  peaoach  ;  bha 
iad  an  diiil  gu  robh  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  leabhar  Lebhiticus  cho 
cinnteach  's  a  tha  beatha  do'n  anam  ri 
fhaotainn  ann  an  litrichean  Phoil ;  bha  iad 
an  diiil  gu  robh  a'  cheart  uiread  iighdarrais 
mar  fhacal  an  Tig-hearn  aig  na  caibidealan 
anns  a  bheil  cunntas  air  obair  goibhneachd 
is  saorsainneachd  na  pailliunn  's  a  tha  aig 
na  caibidealan  anns  am  faighear  teagasg 
Chriosd. 

Ciod  an  seorsa  searmonachaidh  as  buan- 
nachdaile  do  choimhthional  ?  Theirinn  gur 
e  searmonachadh  anns  a  bheil  spioradalachd , 
agus  searmonachadh  a  tha  air  a  tharruing 
as  a'  Bhiobull.  Ach  tha  e  air  a  radh  nach 
cluinnear  an  seorsa  searmonachaidh  sin  cho 
trie  anns  na  h-eaglaisean  an  diugh  's  a 
chluinnear  seorsachan  eile. 

Tha  iomadh  aobhar  a'  comh-oibreachadh 
maille  ri  cheile  gus  spioradalachd  a  chall 
ach  is  e  an  t-aobhar  sonraichte  nach  'eil 
searmonaichean  na's  spioradaile  'n  an 
teagasg-  na  tha  iad  gu  bheil  eagal  orra  an 
cridheachan    fhosgladh    an     lathair    dhaoine 


eile  agus  innseadh  dhaibh  ciod  a  dh'  fhios- 
raich  agus  a  dh'  fhairich  iad  fhein  mu  na 
nithean  air  am  bi  iad  a'  bruidhinn.  Neo-ar- 
thaing  nach  innis  iad  gu  h-6rdail  ealanta 
ciod  a  dh'  fhiosraich  agus  a  dh'  fhairich 
Pol  is  Aug-ustine  is  Iain  Wesley  is  daoine 
eile,  ach  innsidh  iad  e  mar  naigheachd  a 
leugh  no  chual  iad,  is  cha  'n  abair  iad  aon 
diog  mu  am  fiosrachradh  agus  am  faireachadh 
fein.  Cha'n  abrainn  searmonaiche  maith 
no  searmonaiche  spioradail  ri  searmonaiche 
de'n  t-seorsia  sin. 

Bho  chionn  da  bhliadhna  thachair  dhomh 
a  bhi  ann  an  aite  far  an  do  thoisich  da 
bhoirionnach  de'n  t-seorsa  ris  an  abair  iad 
anns  a'  Bheurla  Pilgrims  air  coinneamhan 
soisgeulach  a  ghleidheadh ;  bha  baigh  agam 
ris  na  boirionnaich  a  chionn  gu  robh  iad 
eudmhor  anns  an  t-soisgeul,  is  chaidh  mi  do 
na  coinneamhan.  Bha  t^  dhiubh  a  bha  maith 
air  labhairt  agus  te  nach  robh,  ach  cha  robh 
uair  a  dh'  eirich  an  te  nach  robh  maith  air 
bruidhinn  'n  a  seasamh  nach  d'  innis  i  ann 
an  doigii  chiiiin  shimplidh  an  t-aoibhneas 
agus  an  t-sith  a  fhuair  i  o'n  la,  anns  an  do 
chreid  i  ann  aii  cumhachd  an  t-Slanuigheir 
agus  an  do  ghabh  i  le  h-uile  chridhe  ri  tairgse 
an  t-soisgeil.  Cha  robh  a'  bheag  de  sgoil  no 
d©  eolas  aice,  ach  a,ir  a  shon  sin  rinn  i 
driiidheadh  air  mo  chridhe  nach  h-urrainn 
mi  innseadh,  oir  thug  i  seachad  fianuis  air 
na  nithean  a  dh'  fhiosraich  i  'n  a  h-anam 
fein.  Agus  is  e  sin  an  seorsa  searmonachaidh 
a  tha  buannachdail  do'n  luchd-eisdeachd. 
Theagamh  gu  bheil  so  air  uairean  air  a 
dheanamh  ann  an  doigh  nach  'eil  freagarrach 
no  iriosal,  ach  mur  bheil  searmonaiche  a' 
toirt  do  choimhthional  fhianuis  no  fhios- 
rachadh  fein  cha  'n  'eil  ann  ach  umha  a  ni 
fuaim  no  ciombal  a  ni  gleangarsaich.  Is 
beag  am  feum  ged  labhradh  e  gu  fileanta 
agus  gu  h-ordail  mu  eachdraidh  chloinn 
Israeil,  no  ged  dh'  innseadh  e  mu  na  Phair- 
isich  agus  na  Sadusaich,  mur  cuidich  e  le 
daoine  an  rathad  fhaotainn  gu  Dia,  tobar 
na  beatha  agus  na  slainte. 

Cha  'n  'eil  moladh  as  airde  air  searmon- 
aiohe  na  gu  bheil  e  eolach  air  litir  a'  Bhiobuill, 
is  gaolach  air  a  theagasg,  agus  gu  bheil 
©aladhain  aige  air  a'  Bhiobull  fhosgladh  do 
dhaoine  eile  air  chor  agus  gu'n  cluinn  iad 
ann  guth  a  tha  a'  labhairt  ri  an  coguis.  Tha 
an  guth  sin  ri  chluinntinn  anns  a'  Bhiobull 
agus  leanaidh  am  BiobuU  air  labhairt  ri 
cridheachan  is  coguisean  dhaoine  gu 
deireadh  an  t-saoghail.  Coma  leam  sear- 
monaichean a  bhios  a'  faotainn  an  cinn- 
theagaisg  anns  na  paipearan-naigheachd  mar 
nach  biodh  gu  leoir  dhaibh  anns  a'  Bhiobull. 
Tha  an  seorsa  sin  mar  gu'm  biodh  na 
cocairean  :    a'   deanamh   stodhannan    a   bhios 


24 


milis  do'n  bhlas  co  dhiu  a  bhios  iad  maith 
do  shlainte  dhaoine  no  nach  bi. 

Cha  robh  la  riamh  ann  a  bha  e  cho 
feumail  do'n  eaglais  labhairt  gu  simplidh 
agus  gu  soilleir  mu'n  Bhiobull  's 
a  tha  e  an  diugh.  Leis  na  bhios  iad  a' 
leughadh  agus  a'  cluinntinn  mu  sgoilearachd 
a'  Bhiobuill,  agus  mu  obair  nan  daoine  ris 
an  abrar  na  Higher  Critics,  tha  moran  de 
shluagh  na  duthcha  so  an  duil  nach  'eil  a' 
bheag  de  ughdarras  aig  a'  Bhiobull  seach  mar 
tha  aig  leabhraichean  naomh  eile,  agus  nach 
urrainnear  a  radh  g^ur  e  'facal  an  Tighearna 
a  tha  ann  a  chionn  gu'm  faighear  mearachdan 
ann  a  thaobh  iomadh  ni  agus  beachdan  air 
an  robh  dreachd  na  firinn  an  leanabachd 
an  t-saoghail  ach  ris  nach  urrainn  sinne 
gabhail  an  diug^h.  Is  e  dleasdanas 
a  h-uile  ministear  teagasg  ceart  a 
thoirt  do  dhaoine  m'  an  Bhiobull  ;  is  e  a 
dhleasdanas  inntinnean  dhaoine  oga  gu 
sonraichte  a  theorachadh  los  gu'm  faic  iad 
maise  agus  firinn  agus  cumhachd  a'  Bhiobuill, 
agus  gu'm  bi  iad  oomasach  air  a  thuigsinn 
nach  ann  anns  an  litir  no  anns  an  fhacal  a 
tha  ughdarras  a'  Bhiobuill  ach  anns  an 
spiorad  gheur  agus  bheo  leis  a  bheil  e  air  a 
lionadhi  agus  leis  a  bheil  e  a'  labhairt  ri  coguis 
mhic  an  duine  anns  gach  linn,  agus  mar  sin 
'g  a  dhearbhadh  fein  mar  theachdaireachd  o 
Dhia. 

Cha'n  ann  gus  a  bbeachdan  fein  air  uile 
chuisean  an  t-saoghail  a  tha  ministear  air  a 
chur  suas  do  chrannaig  ach  gus  trend  Dhe  a 
bheathachadh  le  facal  na  slainte.  Mar  sin 
tha  e  glic  dha  leantuinn  dluth  ris  a'  Bhiobull, 
a  theagasg  a  tharruing  as  a'  Bhiobull,  agus 
a  shearmoin  a  lionadh  le  briathran  a'  Bhio- 
buill. Dh'  fhalbh  na  laithean  anns  am  biodh 
daoine  a'  dol  do'n  eaglais  air  sgath  an 
fhasain ;  na  tha  dol  innte  an  diugh  tha  iad 
a'  dol  innte  a  dW  iarraidh  rud-eigin,  a  dh' 
iarraidh  an  anam  a  bheathachadh,  agus 
cha'  n'eil  seorsa  searmonachaidh  no  teagaisg 
eile  a  bheathaicheas  an  t-anam  coltach  ris  an 
t-searmonachadh  a  tha  air  a  steidheachadh 
air  a'  Bhiobull,  agus  a  tha  Ian  de  spiorad 
agus  de  litir  a'   Bhiobuill. 

CAINNT   NAN  CUIMREACH. 

Air  a'  mhios  a  dhaidh  seachad  bha  mi  aig 
Seanadh  na  h-eaglais  Chleireachail  ann  an 
Wales,  air  mo  chur  ann  le  eaglais  na  h-Alba 
a  thoirt  daibh  a  beannachd. 

Am  measg  iomadh  rud  annasach  eile  a 
chunnaic  agus  a  chuala  mi  air  mo  thurus 
b'e  an  rud  a  b'  annasaiche  leam  uile  gu 
leir,  gu  robh  obair  an  t-Seanaidh  air  fad 
air  a  deanamh  ann  an  cainnt  na  duthoha, 
cainnt   nan   Cuim reach. 

Cha    chualas    riamh    Gaidhlig,     anns    an 


t-Seanadh  againne,  no  eadhon  ann  an 
Seanadh  na  h-eagiais  Shaoir ;  tha  amharus 
agam  naoh  'eil  duine  an  diugh  ann  an  te 
seach  te  dhiubh  a  b'  urrainn  labhairt  ann 
an  Gaidhlig  air  na  ciiisean  a  bhios  air 
beulaobh  an  t-Seanaidh,  gun  e  fein  agus  ar 
cainnt  a  narachadh. 

Tha  an  cothrom  so  aig  na  Cuimrich  oirnne, 
gu'n  do  chiim  iad  an  cainnt  an  cleachdadh 
agus  gu  bheil  iad  a'  cur  ritlie  daonnan  air 
chor  agus  gur  h-urrainn  daibh  a  nis  bruidhinn 
innte  air  gach  cuspair  fo'n  ghrein ;  air  na 
beachdan  agus  na  smuaintean  iira  a  chluinn- 
ear  an  diugh  air  feadh  an  t-saoghail,  oo 
dhiii  an  saoghal  nam  beo.  Tha  na  ficheadan 
de  phaipearan-naigheachd  air  an  sgriobhadh 
innte,  agus  leabhraichean  gu  leoir  air  an 
our  a  mach  innte  a  h-uile  bliadhna,  air  ohor 
agus  gu  bheil  an  sluagh  a'  faotainn  innte 
am  beathachadh  sin  d'  an  inntinn  nach 
urrainn  na  Gaidheil  fhaotainn  ach  am  Beurla. 

Cha'n'eil  ach  aon  doigh  air  canain  a 
chvimail  beo,  litreachas  a  sgTiobhadh  innte 
a  bhuineas  do  shaoghal  nam  beo ;  litreachas 
a  leughas  daoine  air  a  sgath  fein  agus  cha 
'n  ann  a  chionn  gu  bheil  iad  air  son  a' 
ohainnt  a  chumail  suas. 

Tha  Gaidhlig  an  diugh  air  a  teagasg  ann 
an  tri  de  Oil-thighean  na  h-Alba  is  tha  i  air 
a  teag-asg  ann  an  oeudan  de  sgoilean  anns 
a'  Ghaidhealtachd,  ach  ma  tha,  cha  'n  'eil 
litreachas  as  fhiach  ainmeaohadh  a'  tighinn 
a  mach  air  a'  cheann  eile.  Tha  rothan  a' 
mihuilinn  a'  dol  ni'an  cuairt  is  maithean 
a'  Chomuinn  Ghaidhealaieh  a'  glaodhach 
Ho-re  a  h-uile  oar  a  ohuireas  iad  dhiubh, 
ach  c^aite  a  bheil  a'  mhinl 

Mur  biodh  fianuis  againn  air  buadhan 
inntinn  nam  ministearan  a  bha  againn  agus 
a  tha  againn  anns  a'  Ghaidhealtachd  lach 
litreachas  ar  duthcha  theireamaid  nach  robh 
annta  ach  ministearan  bochd  ;  cleir  gun  sgoil 
gun  ealadhain.  Cha  robh  searmoin  fhein 

air  an  cur  a  mach  leo  an  Gaidhlig,  agus  a 
thaobh  sgriobhaidhean  diadhadhd  cha'n 
aithne  dhomh  ach  aion  leabhar  ann  an 
Gaidhlig,  air  a  sgriobhadh  le  ministear 
Gaidhealach.  Cha  'n  'eil  anns  a'  chuid  mhor 
de  litreachas  crabhach  nan  Gaidheal  ach 
sgriobhaidhean  a  bha  air  an  tionndadh 
o'n  Bheurla.  Sin  a  dhoire  as  mlosa  air  ar 
litreachas  crabhaidh  o  chionn  da  cheud 
bliadhna,  nach  'eil  ann  ach  iasad  o  dhaoine 
eile,    agus    air  uairean,   an  t-iasad  bochd. 

Mur  cumar  a'  GhaidMig  an  oleachdadh 
asfus  mur  cuirear  rithe  gach  latha  gus  a' 
deanamh  comasach  air  eolas  agus  smuaintean 
an  t-saoo-hail  iiir  so  a  chur  an  ceill  cha'n 
fhada  a  bhios  i  freajrarrach  mar  mheadhon- 
teagaisg  anns  an  eaglais. 


Air    7. 


1929. 


IRIOSLACHD    NAN    NAOMH. 

Chunnaic  mi  crioch  gaeh  iomlaiii;  ach  tJi" 
t'aithne-sa   ro-fharminn.      Salm  cxix.,   96. 

Ciod  tha  an  Salmadair  a'  ciallacliadh  leis 
an  fhacal  so?  Bhiodh  an  smuain  a  bha.'na 
inntinn  na  bu  shoilleire  na'n  robh  i  air  a 
cur  anns  an  doigh  so,  cha  'n  eil  duil  agam 
ri  iomlanaohd  tuilleadh  oir  tha  lagh  an 
Tighearna  anabarrach  farsuinn.  An  uair 
a  bha  e  'na  dhuine  6g  bha  a  chridhe  an  geall 
air  naomhachd  is  iimhhvchd  iomlan  a  thoirt 
do  lagh  Dhe  oir  b'e  sin  an  doigh  anns  an  robh 
fiughair  aige  gu'm  faigheadh'  e  an  fhois 
agus  an  t-sith  a  bha  e  a'  miannachadh,  ach 
mar  bha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad 
thoisich  e  air  a  thuigsinn  gu  robh 
iomhinachd  a'  dol  na  b'  fhaide  agus  na  b' 
fhaide  bhuaith,  an  aite  e  bhi  faicinn  ann 
fein  an  naomhachd  a  bu  mhaith  leis.  Cha 
bu  leir  dha  iomlanaohd  ann  fein  no  ann  an 
ni  eile  fo'n  ghrein.  Anns  na  daoine  a  bu 
ghlice  bu  leir  dha  tomhas  de  amaideachd  ; 
anns  na  naoimh  a  b'  fhearr  bu  leir  dha 
tomhas  de'n  pheacadh  ;  mar  sin  chuir  e 
fiosrachadh  a  bheatha  anns  an  fhacal  so, 
Tomlanachd  !  co  idir  a  ruigeas  air  sin,-  oir  tha 
lagh  an  Tighearna  farsuinn  is  domhain  mar 
an  cuan. 

Ann  a  bhi  ag-  radh  so  cha  'n  'eil  an 
Salmadair  ag  radh  rud  ur  ;  ach  ged  is  fior  am 
facal  nach  fhaighear  iomlanachd  ann  an 
duine  air  thalamh,  cha  bhi  na  daoine  a  bhios 
ag  radh  an  fhacail  sin  a'  ciallachadh  an  aon 
ni  leis.  Is  ann  le  irioslachd  is  bron 
diadhaidh  a  chluinnear  na  naoimh  ag  radh 
nach  'eil  iad  fein  no  daoine  eile  iomlan,  ach 
cluinnear  an  ni  ceudna  air  a  radh  gu  magail 
leis  na  daoine  a  shuidheas  an  cathair  luchd- 
fanoid. 

Ann  an  siiilean  nan  naomh  tha  nadur  is 
buadhan  mhie  an  duine  glormhor  is  maiseach, 
air  chor  agus  gu  bheil  e  'na  bhron  d'an 
cridhe  na  buadhan  maiseach  sin  fhaicinn  aii' 
an  salachadh  no  air  am  folach  leis  a' 
pheacadh.  Ach  cha  leir  do'n  luchd-fanoid 
maise  no  uaisle  air  bith  ann  am  beatha  an 
co-chreutairean  ;  cha  mho  a  tha  creideas  aca 
ann  an  ionracas  duine  air  thalamh,  is  cha 
cliuir  e  bron  no  ionghnadh  air  bith  orra  an 
eoimhearsnaieh  fhaicinn  a'  tuisleachadh. 

Theii-  an  seorsa  dhaoine  so  riut  anns  an 
aodann  nach  d'  amais  ionracan  orra  riamh, 
agus  gur  e  clann  is  amadain  a  mhain  a  tha 
creidsinn    gu'm    faighear    firinn     no     onoir 


air  thalamh.  Their  iad  gur  e  sin  an  gliocas 
a  theagaisg  fiosrachadh  am  beatha  dhaibh, 
agus  tha  e  dhaibh  mar  ghreim  mills.  Ma 
chi  iad  coslas  na  naomhachd  air  beatha 
neach  sam  bith  their  iad  uime,  mar 
thubhairt  an.  athair  rompha;  An  ann  f 
nasgaidh  a  fha  eagcd  Dhe  air  lohl  Is  maith 
leo  a  chreidsinn  nach  ann  air  ghaol  a'  cheartais 
a  bhios  an  co-chi-eutairean  a'  deanamh 
ceartais  ach  air  ghaol  buannachd  no  le  ceilg 
dhomhain.  Ni  iad  fanoid  air  osnaidhean  an 
aithreachain  agus  ni  iad  fanoid  air 
nrnuighean  nan  naoimh. 

Cha  ruigear  a  leas  a  bhi  bruidhinn  ris  an 
t-s6orsa  dhaoine  so,  oir  tha  iad  a'  dunadh  an 
sul  agus  a'  cruadhachadh  an  cn'dheachan  le 
comhairle  shuidhichte.  Gus  an  toir  Dia  fein 
dhaibh  an  gliocas  a  tha  o  shuas  cha 
dealaichear  iad  o'n  ghliocas  thalmhaidh  so. 
B'e  an  gliocas  talmhaidh  so  a  dhall  suilean 
nan  diadhairean  ludhach  air  chor  agus  nach 
fhaca  iad  maise  na  naomhachd  is  cumhachd 
na  naomhachd  a  bha  ann  an  Criosd. 
Thubhairt  cuid  dhiubh  nach  robh  ann  ach 
amadan  ;  thubhairt  cuid  eile  nach  robh  ann 
ach  ^  droch  dhuine  a  bha  mealladh  an  t- 
sluaigh. 

Cha  'n  'eil  e  idir  iongantach  nach  fhaiceadh 
luchd  na  fanoid  an  taobh  as  fhearr  de 
nadur  dhaoine  eile,  oir  c6  leis  am  bu  mhaith 
blaths  is  caomhalachd  is  gradh  a  chridhe  a 
nochdadh  an  lathair  na  feadhnach  sin.  Cha 
'n  'eil  fhios  aca  gur  e  an  cridheachan 
amharusach  fein  a  tha  a'  cruthachadh  an  uilc 
agus  na  ceilge  a  tha  iad  a'  faicinn  'n  an 
eoimhearsnaieh.  Teichidh  na  h-ainglean  air 
falbh  c4  comunn  sam  bith  anns  an  suidh  luchd 
na  fanoid,  is  seargaidh  na  fluraichean  as 
maisiche  a  tha  a'  fas  ann  an  nadur  mhic  an 
duine  leis  a'  ghaoith  ghreannaich  a  tha 
tighinn  ua])a.  Anns  gach  aite  anns  an 
suidh  iad  tha  iad  a'  toirt  plaigh  'nan  lorg  ; 
fuadaichidh  iad  dochas  is  creideamh  is  gradh 
air  falbh. 

Ged  bhios  au  seorsa  dhaoine  so  a'  deanamh 
uaill  as  an  geiread  fein  agu>s  as  an 
se61t-achd_  fein,  agus  ged  tha  iad  an  duil  gu 
bheil  gliocas  saoghalta  aca  nach  'eil  aig 
daoine  eile,  is  e  an  fhirinn  gur  daoine  truagh 
baoghalta  iad  nach  d'amais  air  slighe  na 
beatha  agus  nach  d'fhuair  solus  a'  ghliocais 
fhathast.  Ach  cha  b'ann  de'n  t-seorsa 
dhaoine  so  an  Salmadair.  Cha  roWi  esan  a' 
cur  teagamh  ann  an  ionracas  a  cho- 
chreutairean  an  uair  a  sgriobh  e  am  facal  so ; 


26 


cha  b"e  dioeli  aniliaiuis  no  spiuiad  magail  a 
thug  air  a  radh  gu'm  t'aca  e  crioch  gaeli 
iomlaiii,  acli  an  fliaiieachduin  a  l)ha  aige  gu 
I'obh  naomhachd  Dhe  yo  eionn  uile 
oidhirpean  mhic  an  duine.  An  uair  a 
chunnaic  e  sealladh  air  an  Eigh  'n  a  mhaise 
cha  bu  leir  dha  maise  ann  fein  tuilleadh. 
An  uair  nach  b'aithne  dha  Dia  ach  le 
eisdeachd  na  cluaise  bha  e  toilichte  gu  leor  le 
a  staid,  ach  air  dha  gloir  an  Tighearna 
fhaicinn  air  dhoigh  eile  ghabh  e  grain  dheth 
fein  is  rinn  e  aithreaehas  arms  an 
duslaich.  Bha  duil  aige  aon  uair  gu'n 
rachadh  aige  air  uile  aitheantan  Dhe  a 
choimhead,  ach  an  uair  a  dli'fhosgail  spiorad 
Dhe  a  shuilean  agus  a  chunnaic  e  airde  agu,s 
doimhneachd  agus  farsuingeachd  an  lagha 
cha  b'  urrainn  e  a  radh  ach  so,  Co  a  tha 
foghainteach   chum  nan  nithean  sin  1 

Anns  gach  rann  de'n  t-salm  so  faodar 
fhaicinn  gu  robh  gradh  neo-chumanta  aige 
do  lagh  an  Tighearna,  agus  iarrtus  air 
umhlachd  a  thoirt  da.  Gia  iotiinhui?in  learn 
do  laghl  gach  la  is  e  mo  smvaineachadh.  .  .  ■ 
Is  e  do  lagh  mo  thlachd  ag^is  is  annsa  leam 
t-ditheantan  na  'n  t=br.  .  .  0,  nach  rohh 
mo  cheumanna  air  an  stiiiradh  cMini  do 
reachdan  a  choimhead  !  .  .  .  Tha  mo  shiiilean 
air  an  caitheadh  le  hhi  sealHuinn  air  son  do 
shldinte.  .  .  .  Ghabh  mi  do  theisteis  mar 
oighreachd  gu  hrdth ;  oir  is  iad  aoihhneas  mo 
chridhe.  Bha  gradh  aige  do  lagh  an 
Tighearna,  ach  mar  bu  mho  an  t-eolas  a  bha 
e  a'  faotainn  air  agvis  mar  bu  mho  an 
ionndrainn  a  bha  'n  a  chridhe  air  a'  bheatha 
naomh  a  bha  an  lagh  sin  ag  aithneadh,  is  ann 
bu  gheire  a  mhothachadh  air  a  lochdan  fein, 
gus  mu  dheireadh  nach  robh  dochas  aige 
gu'n  ruigeadh  e  air  foirfeachd  air  an  taobh 
so  de'n  uaigh. 

Ged  is  neonach  e  ri  radh  cha  'n  ann  idir 
aig  an  aingidh  ach  aig  an  fhirean  a  tha  am 
mothachadh  as  geire  air  olcas  a  chridhe.  Tha 
e  'n  a  chiiis-iongantais  do'n  t-saoghal  gur  e 
an  fheadhainn  a  shaoileadh  iad  neo-chiontach 
as  mo  a  dh'  aidicheas  an  cionta ;  tha  e  'n  a 
chuis-iongantais  do'n  t-saoghal  a  bhi 
chinntinn  leithid  Phoil  ag  eigheach,  Och,  is 
duine  truagh  mil  cd  shaoras  m,i  o  chorj)  a' 
hhais  sol  Am  feadh  's  a  tha  na  daoine  aig 
am  bheil  an  cuibhrioinn  uile  anns  an  t- 
saoghal  so  lan-thoilichte  leo  fein,  a' 
mealtuinn  fois  is  comhfhurtachd  anama, 
tha  na  naoimh  a'  gluasad  gu  foil 
uile  bhliadhnachan  am  beatha,  ag 
aideachadh  agus  a'  caoidh  am  peacaidhean, 
agus  ag  urnuigh  gu  durachdach  ri  Dia  gun 
a  throcair  is  fhaighidin  a  ghearradh  air 
falbh  bhuapa.  Air  dhaibh  seasamh  ann  an 
solus  s'lan    "'nuise   Dhe    agus    aon     sealladh 


fliautainii  air  morachd  agus  maise  agus 
uaomhaclid  Dhe,  an  Dia  ris  a  bheil  gnolhuch 
ara,  cliaill  iad  an  uabliar  agus  am  fein-speis 
gu  buileach,  is  chunnaic  iad  crioch  gach 
iomlain. 

Sin  a'  phris  a'  phaighear  air  son  aon 
phlathadh  fhaicinn  de  ghloir  an  Tighearna, 
ach  is  fhearr  do  dhuine  cridhe  briste  agus 
briiite  a  bhi  aige  uile  laithean  a  bheatha  seach 
a  bhi  dall.  An  uair  a  chunnaic  an  t-abstol 
Eoin  an  Tighearna  an  eilein  Phatmos  thuit 
e  aig  a  chasan  an  riochd  mairbh.  Cha  do 
rinneadh  am  Facal  fhathast  'n  a  fheoil  ann 
an  laithean  an  t-Salmadair,  ach  thainig 
Facal  an  Tighearna  'g  a  ionnsuidh  air  mhodh 
eile ;  agus  an  uair  a  thuig  e  lend  agus  airde 
an  Fhacail  sin,  chrom  e  a  cheann  agus 
thubhairt  e,  cha  'n  ann  le  aotramas  no  le 
searbhadas  cridhe  ach  le  irioslachd  is  eagal 
diadhaidh,  Ghunnaic  mi  crioch  gach  iomlain. 


ANNS    A'     CHATHAIR. 

An  uair  a  bhios  daoine  a'  fas  sean  is  toigh 
leo  a  l>hi  creidsinn  gu  bheil  an  aois  a'  toirt 
iomadh  buannachd  'n  a  lorg.  Theagamh 
nach  'eil  na  buannachdan  sin  cho  lionmhor 
no  cho  ion-mhiannaichte  's  a  bhios  seann 
daoine  a'  cumail  a  mach,  ach  tha  aon  rud 
ann  co'  dhiu  a  dh'  fhaodas  gliocas  a  theagasg 
duinn  am  measg  nam  bliadhnachan,  gu  bheil 
sinn  a'  faicinn  an  t-saoghail  ag  athar rachadh 
fo  ar  suilean  ;  an  saoghal  anns  an  do  thogadh 
sinn  agus  a  b'  aithne  dhuinn'  'nar  n-oige  a' 
siubhal  seachad  cho  luath  ri  feasgar  fann 
foghaii-  agus  saoghal  ur  nach  aithne  dhuinn 
fathast  a'  tighinn  oirnn  a  dheoin  no 
dh'   aindeoin. 

SAOGHAL  GUN  ATHARRACHADH 
SAOGHAL  MARBH. 

Ach  cha  toigh  leis  a'  mhor-chuideachd  de 
dhaoine  a  bhi  faicinn  an  t-saoghail  ag 
atharrachadh ;  cha  todgh  leo  beachdan  ura  no 
doighean  ura  no  fasain  ura,  is  b'  fhearr  leo 
gu'm  fanadh  na  h-uile  nithean  mar  bha  iad 
o  shean.  Tha  an  fhaireachduinn  sin  nadurra 
gu  leoir,  ach  air  a  shon  sin,  na'm  fanadh 
an  saoghal  gun  atharrachadh  cha  bu  shaoghal 
nam  beo  e  ach  saoghal  nam  marbh.  Gle 
bhitheanta  cha  'n  e  ar  creideamh  ach  ar  n- 
as-creideamh  a  tha  toirt  oirnn  a  bhi  ag 
iarraidh  gu'm  fanadh  an  saoghal  mar  bha 
e  'n  ar  n-oige.  Do  neach  air  bith  a  tha 
creidsinn  ann  an  Dia;  a'  creidsinn  gu  bheil 
Dia  a'  riaghladh  anns  an  t-saoghal  cha  'n  'eil 
aobhar  eagail  anns  na  h-atharracbaidhean  a 
tha  sinn  a'   faicinn  anns  a'  ghineil  so, 


27 


An  uaii-  mu  dlieireadh  a  blia  mi  ami  an 
Cille-sgumaiu  chuala  mi  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pliarlain,  B.D.,  a'  gearan  gu 
cruaidh  gii  robh  a'  ghineal  iir  na  b'  ain- 
diadhaidhe  na  a'  gliineal  a  bha  romhpa  ;  gu 
robh  beachdan  is  cleachdanna  a'  fas  am 
measg  dhaoine  nach  robh  ceart  no  criosdail, 
agus  am  measg  nan  sgriobturan  a  thug  e 
dhuinn  a  dhearbhadh  na  bha  e  ag  radh  thug 
e  dhuinn  am  fear  so  ann  an  guth  laidir 
tartarach,  Tempora  mutantur  et  mutamur 
cum  illis.  Ghnog  bean  a'  bhancair  a  ceann 
mar  gu'm  biodh  i  a'  cur  a  h-aonta  ris  na 
briathran  agus  amharus  aice  gur  e 
suaicheantas  Eaghiis  na  h-Alba  a  bha  annta, 
air  neo  Greigis  a  sgriobh  Isaiah  no  Eabhra 
a  sgriobh  Pol.  Ach  dhiiisg  an  fhuaim 
neonach  na  geamairean  a  bha  'n  an  leth- 
chadal  is  chiim  iad  an  suil  air  a'  mhinistir 
fad  an  t-searmoin. 

AN  SEANN  SAOGHAL  DROCH  SHAOGHAL. 

Ged  tha  atharrachadh  a'  tighinn  air  an 
t-saoghal  cha  'n  'eil  an  saoghal  a'  fas  na's 
miosa ;  tha  barrachd  de  spiorad  Chriosd 
agus  de  fhior  dhiadhaidheachd  anns  an  t- 
saoghal  an  diugh  na  bha  ann  riamh.  Ma 
tha  e  a'  cur  car  raid  air  an  t-seann  ghineil 
gu  bheil  oigridh  an  latha  so  a'  breabadh  an 
aghaidh  teagasg  is  cleachdanna  an 
aithrichean  cuimhnicheadh  iad  gu  robh  cuid 
de'n  teagasg  sin  agus  cuid  de  na  cleachdanna 
sin  calg-dhireach  an  aghaidh  teagasg  Chriosd. 
Cha  'n  e  toil  Chriosd  gu'm  biodh  paisdean  a 
dh'  aois  deich  bliadhna  a'  dol  sios  do  tholl- 
guail  aig  se  uairean  's  a'  mhaduinn  anns  a' 
gheamhradh,  fliuch  is  fuar,  a  dh'oibreachadh 
deich  uairean  anns  an  dorchadas,  ach  bha 
sin  a'  dol  air  aghaidh  ri  linn  ar  n- 
aithrichean,  is  fichead  rud  eile  cho  neo- 
chaomhail  ris.  Ach  buidheachas  do  Dhia 
nach  'eil  e  a'  dol  air  aghaidh  an  diugh,  agus 
gu'n  d'  atharraich  an  saoghal.  Tha  coguis 
nan  ginealan  ura  na's  geire  a  thaobh 
ceartais  eadar  duine  agus  duine  na  bha 
coguis  an  t-seania  t-saoghail ;  tha  barrachd 
truacantais  is  co-fhaireachduinn  an 
cridheachan  dhaoine  an  diugh  na  bha  annta 
an  de.  Agus  ciod  is  dluithe  do'n 
diadhaidheachd  na  truacantas? 

AN  OIGRIDH  AGUS  AN  EAGLAIS. 

An  uair  a  chluinneas  tu  daoine  a'  caoidh 
cor  an  t-saoghail  an  ^iugh,  ma  dh' 
fheoraicheas  tu  dhiubh  ciod  an  doigh  anns 
a  bheil  e  ag  atharrachadh  air  son  na  cuid 
as  miosa,  their  iad  riut  nach  'eil  urram  aig 


an  oigridh  di)  la  an  Tighearna,  nach  'eil  iad 
a'  dol  do'n  eaglais  mar  bu  choir  daibh ; 
nach  'eil  iad  a'  toirt  geill  do  theagasg  na  h- 
eaglais ;  their  iad  gu  bheil  an  teagasg  aig 
Darwin  agus  na  sgoilearan  mora  ris  an 
abrar  an  Higher  Critics  a'  toirt  air  falbh  an 
earbsa  a  bha  aig  daoine  anns  a'  Bhiobull  mar 
fhacal  an  Tighearna.  Tha  caob  de'n  fhirinn 
aca  anns  na  ciiisean-gearain  sin  gun 
teagamh,  ach  c6  an  linn  anns  nach  robh  an 
gearan    ceudna  air  a  dheanamh? 

Cha  fhreagradh  e  dhomhsa  dol  as  lethsgeul 
dhaoine  nach  'eil  a'  coimhead  la  an 
Tighearna  mar  bhois  mi  fein  a'  deanamh, 
agus  nach  bi  a'  dol  do'n  eaglais  ach  annamh, 
ach  air  a  shon  sin  cha  'n  'eil  an  gnothuch 
idir  cho  simplidh  's  a  tha  cuid  an  diiil.  Tha 
mise  a'  creidsinn  nach  'eil  doigh  eile  anns  an 
fhearr  dhomh  fein  la  an  Tighearna  a  chur 
seachad  na'n  doigh  a  dh'  ionnsaich  mi  'n 
am  oige;  dol  do'n  eaglais  air  da  cheann  an 
la  agus  a'  chuid  eile  de'n  la  a  chur  seachad 
gu  samhach  foisneachail,  saor  is  obair  no 
iipraid  an  t-saoghail.  Ach  tha  mi  'g  a 
dheanamh  so,  cha  'n  ann  a  chionn  gu  bheil 
lagh  air  bith  o'n  taobh-a-muigh  'g  am 
chomh-eigneachadh  ach  a  chionn  gur  e  so 
an  doigh  as  buannachdaile  d'am  chorp  agus 
d'am  inntinn  agus  da'm  anam  fein;  an  doigh 
anns  an  fhearr  a  gheibh  mi  a'  bheannachd 
shonraichte  a  tha  la  an  Tighearna  a'  toirt 
do'n  t-saoghal.  Sin  an  aon  bhonn  air  an 
urrainnear  iarraidh  air  daoine  an  diugh  la 
an  Tighearna  a  chumail  samhach  is   naomh. 

LAGH  MHAOIS  NO  TEAGASG  CHRIOSD. 

Uaireigin  de'n  t-saoghal  bha  ministearan 
agus  luchd-dreuchd  agus  sluagh  na  h-eaglais 
uile  a'  creidsinn  gu'm  b'e  lagh  Mhaois  am 
bonn  air  am  bu  choir  do'n  eaglais  seasamh 
a  thaobh  la  an  Tighearna;  gu'm  faodadh  an 
eaglais  a  radh  ri  daoine  le  ughdarras  facal 
an  Tighearna  gu  robh  iad  a'  briseadh  lagh 
Dhe  agus  a'  peacachadh  an  aghaidh  'aithne 
mur  coimheadadh   iad  an  t-Sabaid  naomh. 

Theagamh  gu'n  cluinnear  an  seorsa  cainnte 
sin  an  sid  agus  an  so  fhathast,  ach  ma 
chluinneas  cha'n  fhaighear  moran  a  bheir 
geill  dhi.  Tha  an  saoghal  air  atharrachadh; 
tha  teagasg  na  h-eaglais  air  atharrachadh, 
agus  an  diugh  cha'n  ann  '  ir  lagh  Mhaois  a 
tha  an  eaglais  a'  seasamh  a  thaobh  la  an 
Tighearna  ach  air  teagasg  Chriosd  agus 
cleachdadh  nan  abstol  agus  fiosrachadh  a' 
chinneadh-daonna  gu  bheil  e  maith  do'n  t- 
saoghal  gu'm  biodh  aon  la  anns  an  t- 
seachduin  air  a  dhealachadh  o  chach  agus 
air  a  choisrigeadh  do  na  nithean  a  bhuineas 
do  Dhia  agus  do  bheatha  an  anama. 


2S 


MU    DHOL    DO'N   EAGLAIS. 

Mar  a  thubhaiit  mi  cheaua  cha  fhreagradli 
e  dhomhsa  dol  as  lethsgeul  dhaoine  nach  'eil 
a'  dol  do'n  eaglais  cho  trie  's  a  bu  mhaith 
learn,  ach  air  a  shon  sin  feumaidh  mi  a  radh 
nach  h-urrainn  mi  an  diteadh  cho  buileach 
no  cho  laidir  's  a  bhios  mi  a' 
cluinntinn  cuid  de  mhinistearan  a' 
deanamh.  Tha  e  gle  bhuailteach  do 
mhinistearan  a  bhi  saoilsinn  gur  e  na 
daoine  a  Vjhios  a'  dol  'g  an  eisdeachd  fein  da 
uair  gach  Sabaid  na  daoine  as  diadhaidhe 
anns  an  sgireachd  agiis  gur  e  na  daoine  nach 
bi  dol  'g  an  eisdeachd  idir  na  daoine  as 
miosa.  Tha  sin  nadurra  gu  leoir,  cho 
nadurra  ',s  gu'm  feum  mise  an  aire  mhaith  a 
thoirt  air  mo  ehridhe  fein,  air  eagal  gu'm 
faigh   an  fhaireachdviinn  sin  aite  ann. 

Tha  e  ceart  agus  iomchuidh  do  dhaoine  dol 
do'n  eaglais,  agus  ma  tha  seirbhis  na  h- 
eaglais  ciallach  is  maiseach  is  spioradail  mar 
bu  choir  dhi  a  bhith,  ni  e  maith  d'an  anam 
dol  innte,  ach  air  a  shon  sin  cha  'n'eil  ann 
an  aoradh  foUaiseach  na  h-eaglais  ach  aon 
doigh  anns  a  bheil  spiorad  na  diadhaidheachd 
'g  a  nochdadh  fein ;  tha  iomadh  doigh  eile 
anns  am  faod  an  diadhaidheachd  i  fein 
fhoillseachadh,  agus  a  tha  a  cheart 
cho  taitneach  le  Dia.  An  uair  a 
chluinneas  tu  miiinntir  -  baile  a'  toirt 
breith  air  an  coimhearsnaich  (agus  is 
annamh  a  theid  muinntir  -  baile  cearr  am 
breitheanas)  theagamh  gu'n  do  mhothaich 
thu  nach  cuir  iad  idir  an  cudthrom  a 
chuireas  am  ministear  air  cleachdadh  an 
coimhearsnach    a    thaobh    dol    do'n    eag^lais. 

SAORSA     AGUS     DAORSA. 

A  thaobh  dol  do'n  eaglais  cha  'n  'eil 
cuisean  cho  dona  idir  's  a  bhithear  ag  radh ; 
cha  'n  'eil  an  t-atharrachadh  cho  dona  's  a 
shaoilear.  Cha  'n  'eil  duine  an  diugh  a'  dol 
do'n  eaglais  air  sgath  an  fhasain,  no  a  chionn 
gu  bheil  eagal  ministir,  no  eagal  seisein,  no 
eagal  choimhearsnach  orra ;  no  eagal  gu'n 
caill  iad  an  naire  no  an  cliu  am  fianuis 
dhaoine.  Ach  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh 
bha  na  ceudan  air  an  iomain  innte  leis  na 
reusain  sin ;  bha  iad  fo  dhaorsa  eadhon  ann 
an  tigh  an  Tighearna.  Anns  na  seann 
laithean  bha  e  furasda  gu  leoir  do  dhuine 
dol  do'n  eaglais  uair  no  dha  a  h-uile 
Sabaid ;  cha  robh  aige  ach  daoine  eile  a 
leantuinn  mar  bhios  na  caoraich  a'  deanamh 
is  gheibheadh  e  e  fein  anns  an  eaglais,  co 
dhiu  bha  a  ehridhe  innte  no  nach  robh.  Cha 
robh  an  corr  a  b'  urrainn  daoine  a  dheanamh 
air     Didomhnuich     ach     dol    do'n    eaglais ; 


ged  bhiodh  e  sgitheil  d'am  feoil  dol  innte 
Ijha  e  a  sheachd  sgitheile  da'm  feoil  fuireach 
aisde. 

Ach  an  diugh  cha  'n  eil  cuisean  idir  mar 
sin  ;  dh'  atharraich  an  saoghal  is  tha  fichead 
gairm  sholasach  eile  a'  tighinn  gu  cluasan 
agus  gu  feoil  dhaoine  cho  mhaith  ri  clag  na 
h-eaglais,  agus  fichead  rud  a  dh'  fhaodas 
iad  a  dheanamh  le  cead  an  coimhearsnach  a 
bha  air  a  thoirmeasg  anns  na  laithean  a 
dh'  fhalbh.  An  uair  a  tha  paipear- 
naigheachd  aig  duine  air  an  t-Sabaid,  agvts 
gramaphone,  agus  motor  car,  agus  inneal 
eile  leis  am  faod  e  eisdeachd  ri  searmon  is 
seanchas  na's  fhearr  na  gheibh  e  ann  an 
eaglais  Chille-sgumain  ;  an  uair  a  tha  motor 
cars  aig  fichead  no  da  fhichead  d'a  chairdean 
a  dh'  fhaodas  tighinn  air  gun  fhios  da  o 
choig  siorramachdan  uair  air  bith  air  la  na 
Sabaid,  feumaidh  an  duine  sin  a  bheatha 
a  riaghladh  gu  curamach  agus  a  thoil  fein  a 
chur  an  ceill  m'  an  urrainn  o  la  an  Tighearna 
a  choimhead  an  dara  cuid  gu  samhach  no  gu 
naomh.  Cha  dean  e  feum  dha  a  bhi  'na 
chaora,  agus  sioch  seachain  a  bhi  'n  a 
ghohkar ;  feumaidh  e  a  bhi  'n  a.  dhidne  agus 
a  bheatha  orduchadh  mar  Chriosduidh,  ma 
tha  e  a'  dol  a  chumail  la  an  Tighearna  air 
dhoigh  a  bhios  buannachdail  d'a  fheoil  is 
d'a  anam. 

Cha  'n  'eil  mise  a'  creidsinn  aon  fhacal 
de'n  duan  a  chluinnear  cho  bitheanta  am 
beul  dhaoine,  gu'm  b'fhearr  na  seann 
laithean  na'n  la  a  tha  againn,  agus  gu  bheil 
a'  ghineal  ur  na's  aindiadhaidhe  na  bha  a' 
ghineal  mu  dheireadh.  A  h-uile  atharrachadh 
a  thainig  air  an  t-saoghal  o  na's  cuimhne 
leam  tha  mi  a'  faicinn  gu  robh  e  feumail  agus 
gu  robh  an  t-am  aige  tighinn.  Aguis.  a 
thaobh  na  diadhaidheachd  cha  'n  'eil  mi 
a'  faicinn  gu  bheil  an  oigridh 
dad  na's  miosa  na'n  aithrichean.  Ged  tha 
cainnt  is  fasain  is  cleachdanna  dhaibh  fein 
aca,  cainnt  is  fasain  is  cleachdanna  a  tha  car 
neonach  'n  ar  siiilean-ne  a  chionn  nach  buin 
iad  do'n  ghineil  anns  an.  do  thogadh  sinn, 
tha  an  cridheachan  a  cheart  cho  glan  agus 
a  cheart  cho'  blath  's  a  bha  cridheachan  an 
seanmhathraichean,  agus  a  cheart  cho 
suidhichte  air  na  nithean  a  tha  urramach 
agus  maiseach  agus  fior-ghlan.  Tha  iad 
fada  fada  air  thoiseach  air  an  aithrichean 
ann  am  misneach,  an  claidheamh  leis  an  do 
choisinn  iad  saorsa,  agus  theirinn  gur  e 
saorsa  aileadh  na  beatha  eadhon  anns  an 
diadhaidheachd.  Sin  an  t-aobhar  gu'm  bi 
mise  a'  deanamh  mo  bheic  do'n  oigridh 
daonnan,  gu  bheil  misneach  aca  saorsa  a 
thagar  dhaibh  fein  agus  an  rathad  fein  a 
ehabhail  gun  eagal  dhaoine  a  bhi  orra, 


Air    8. 


1929. 


BRON  CHRIOSD. 

Mo  Dhifi,  mo  Dhia,  car  son  a  th/^eig  thir. 
mil — Mat  a,    xxvii,    46. 

Eli,  Eli,  lama  sabachtaiii.  Bhiodli  gaol 
againn  air  an  fhacal  bo  ged  nach  biodh 
reuson  air  bith  eile  air  ach  gu  bheil  sinn 
cinnteach  gur  e  so  aon  de  na  facail  a  bha  air 
an  labhairt  leis  na  bilean  naomh,  an  uair  a 
bha  e  air  thalamh.  C'ha'n'eil  moran  fhacal 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  m'am  faod  sinn 
sin  a  radh.  B'e  cainnt  na  duthcha  Aramaic, 
ach  ged  labhair  Chriosd  ann  an  Aramaic  tha 
an  Tiomnadh  Nuadh  air  a  sgriobhadh  ann 
an  (Ireigis,  air  chor  agus  nach  e  ceart 
bhriathran  Chriosd  a  tha  againn  ann  ach 
briathran  Chriosd  air  an  eadar-theangach- 
adh.  Ach  tha  facal  no  dha  air  fhagail  anns 
an  doigh  anns  an  do  labhair  e  iad  an 
toiseach,  agus  is  e  fear  dhiubh  sin,  Eli,  Eli, 
lama  Sabachfani.  , 

So  an  ceathramh  facal  a  labhair  e  air  a' 
chrann-cheusaidh,  agus  mar  an  ceudna  am 
faciil  as  doimhne.  Theid  againn  air  a 
thuigsinn  ciod  a  bha  'n  a  inntinn  an  uair  a 
I'inn  e  an  iirnuigh,  "Athair,  thoir  maitheanas 
dhaibh  oir  cha'n'eil  fhios  aca,  ciod  a  tha 
iad  a'  deanamh."  Ach  cha'n'eil  sinn  idir 
cinnteach  gu  bheil  sinn  a'  tuigsinn  no  gu'n  do 
thuig  duine  riamh  ciod  a  bha  'na  inntinn 
an  uair  a  ghlaoidh  e  ann  an  eigin  anama. 
Mo  Dhia,  Mo  Dhia,  c'ar  son  a  threig  thii  mil 
Ann  an  aon  seadh  tha  am  facal  so  a' 
nochdadh  uile  dhiomhaireachd  na  diadhachd 
dhuinn,  ach  cha  'n  fhaic  sinn  an  diomhair- 
eachd  sin  ach  gu  dorcha  tre  ghloine.  Cha 
'n'eil  duine  air  an  t-saoghal  cho  suarrach  's 
nach  fhiach  eisdeachd  ris  an  uair  a  dh' 
innseas  e  gu  fior  mu  fhiosrachadh  anama. 
Ach  nach  mo  gu  mor  is  fhiach  dhuinn 
eisdeachd  ri  Mac  gradhach  Dhe  an  uair  a  tha 
e  ag  innseadh  dhuinn  fiosrachadh  anama 
anns  a'  mhionaid  a  bu  sholuime  'n  a 
bheatha. 

Bha  .  Criosd  air  a  cheusadh  mu  naoi 
uairean  's  a'  mhaduinn.  Mu  mheadhon-la 
thug  Eoin  aii-  falbh  a  mhathair  los  nach 
biodh  i  'na  suil-fhianuis  air  fhulangas  na 
b'  fhaide ;  theagamh  gur  e  Criosd  fein  a 
dh'  iarr  air  sin  a  dheanamh.  Bha  iomadh 
seorsa  searbhadais  air  am  measgadh  anns 
a'  chupan  a  dh'ol  e;  am  measg  gach  rud 
cruaidh  eile  a  dh'  fhuiling  e  ghoirtich  e  a 
chridhe  gu  robh  a  mhathair  a'  faicinn 
fhulangais.  Mu  thri  uairean  's  an  fheasgar 
chual    iadsan    a   bha     dluth     do'n     chrann- 


cheusaidh  e  ag  radh,  Mo  Dhia,  Mo  Dhia  c'ar 
son  a  threig  thii  mi  1 

Tha  am  facal  so  air  a  sgriobhadh  ann  an 
te  de  na  sailm  ;  uile  laithean  a  bheatha  bha 
gaol  aig  Criosd  air  na  sailm  agus  bheathaich  e 
anam  fein  leo,  agus  a  nis  anns  na  mionaidean 
deireannach  thainig  an  t-salm  so  air  a  h-ais 
thuige  gus  cainnt  a  chur  air  fhiosrachadh 
fein. 

Cha  'n  e  gealtachd  ri  uchd  bais  a  thug- 
air  Criosd  am  facal  so  a  radh.  Cha  robh 
eagal  air  I'oimh  phian  cuirp.  Bha  e 
'na  chleachdadh  aig  comunn  de  mhnathan 
caomhail  ann  an  Jerusalem  a  bhi  ag 
ullachadh  dibhe  a  bhiodh  iad  a'  toirt  do 
dhaoine  a  bha  air  an  ceusadh  los  am 
mothachadh  a  thoirt  bhuapa,  air  chor  's 
nach  fhairicheadh  iad  pian.  Thairgeadh  an 
deoch  sin  do  Chriosd  ach  cha  'n  oladh  e  i  :  cha 
robh  eagal  air  roimh  phian  'na  fheoil.  Na'n 
robh,  dh'  fhaodadh  a  naimhdean  a  radh 
gu  robh  cuid  d'a  sheirbhisich  na  bu  inhisnich- 
eile  ri  aghaidh  a  bhais  na  bha  e  fein.  Tha 
e  air  a  radh  mu'n  abstol  Aindreas  gu'n  do 
lean  e  air  teagasg  an  t-sluaigh  fad  na  h- 
iiine  a  bha  a  chorp  sinnte  air  a'  chrann- 
cheusaidh.  Cha  b'  ann  le  geilt  no  ball- 
chrith  a  chaidh  na  martaraich  an  coinneamh 
bais  ach  gle  bhitheanta  le  aoibhneas  do- 
labhairt  'n  an  cridhe.  An  fhearr  na 
seirbhisich  na  am  Maighstir? 

Cha  mho  a  ghiiilain  e  fearg  Dhe.  Bidh 
daoine  air  uairean  a'  saoilsinn  gu'm  b'e 
sin  a  b'  aobhar  do'n  eigin  anama  a  dh' 
fhiosraich  Criosd ;  gu'n  do  las  corruich  Dhe 
'na  aghaidh  gu  h-eagallach  an  uair  a  sheas 
e  ann  an  aite  pheacach.  Ach  cha'n'eil  sin 
a  reir  nan  Sgriobtur.  Ciamar  a  bhiodh 
fearg  air  an  Athair  an  aghaidh  a  Mhic  anns 
an  robh  a  mhor-thlachd?  Cha  robh  am 
Mac  riamh  cho  gradhach  ann  an  suilean  an 
Athar  's  a  bha  e  an  uair  a  thogadh  suas  air 
a'  chrann-cheusaidh  e,  umhail  gu  has. 
Thainig  Criosd  a  steach  do'n  t-saoghal  a 
dheanamh  toil  an  Athar;  b'e  toil  an  Athar 
gu'n^  leigeadh  e  sios  a  bheatha  an  eiric  a 
bhraithrean,  is  bhiodh  e  gle  iongantach  na'm 
biodh  fearg  air  Dia  ris  anns  an  dearbh  uair 
anns  an  robh  e  a'  treigsinn  nan  uile 
nithean  los  toil  Dhe  a  dheanamh. 

Mo  Dhia,  Mo  Dhia,  c'ar  son  a  thrdig  thv 
mil  Their  cuid  nach  do  threig  Dia  idir  e 
ach  gu'n  do  shaoil  Criosd  gu'n  do  threig  e 
e;  their  iad  gu  bheil  am  facal  so  a' 
ciallachadh  gu'n  do  chaill  Criosd  a 
chreideamh  agus     a    dhearbhachd  spioradail 


30 


I'ur  uine  bhig.  Tha  aogaa  na  t'lrinn  air  a' 
bheaclul  sin,  to  dliiii  aig  a'  clieiul  bliuille 
d'  ar  suil,  uir  tha  fhios  agaiuii  gu"m  bi 
daoine  diadhaidh  a'  saoilsinn  air  uairean 
g\i  bheil  Dia  'g  an  treigsinn,  an  ixair  a  tha 
cuisean  a'  dol  'n  an  aghaidh  no  tha  am 
fulangas  a'  dol  thar  tomhais.  Ach  air  an 
ath  bhuille  d'ar  siiil  chi  sinn  nach  'eil  sin 
ach  a'  deanamh  an  dorchadais  na's  duirche. 
Oir  tha  e  a'  ciallachadh  gu  robh  Criosd  air 
a  mhealladh,  agus  gu  robh  e  ag  radh  gu'n 
do  rinn  Dia  rud  nach  do  rinn  Dia  idir.  Co 
a  ghabhadh  air  fein  sin  a  radh?  B'aithne 
do  Chriosd  inntinn  agus  riiintean  Dhe  mar 
nach  b'aithne  do  na  faidhean  no  do  na  h- 
abstoil  no  do  neach  air  bith  eile  iad  ;  an  uair 
a  tha  e  ag  radh  rud  sam  bith  mu  Dhia 
feumaidh  sinn  gabhail  r'a  fhacal  air  cho 
duilich  no  cho-  diomhair  's  'g  am  bi  an  rud 
sin.  An  uair  a  tha  e  ag  radh,  Mo  Dhia  mo 
Dhia,  c'ar  son  a  threig  thu  mi,  faodaidh 
sinn  a  bhi  cinnteach  gu'n  do  labhair  e  ni  a 
bha  fior  agus  gu'n  do  chaill  e  sealladh  air 
gnuis  Dhe  da  rireadh. 

Tha  e  moran  na's  fhasa  innseadh  ciod  nach 
robh  e  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal  so  na  tha 
e  a  radh  ciod  a  b'  aobhar  do'n  eigin  anama 
a  dh'  fhiosraich  e.  Tha  inntinn  mhic  an 
duine  beag  is  tha  diomhaireachd  na 
diadhachd  mor.  Cha  'n  aithne  dhuinn  ach 
ann  an  cuid.  Bha  ni-eigin  ann  am  bas 
Chriosd  a  tha  'g  a  dhealachadh  eadhon  o 
bhas  nam  martarach ;  dh'  fhiosraich  e 
uamhas  air  chor-eigin  nach  d'  fhiosraich 
neach  roimhe  no  'na  dheidh.  Shiubhail  e  air 
rathad  air  nach  do  choisich  cas  eile,  oir 
shaltair  e  an  t-amar-fiona  'na  aonar  agus  de 
na  sloigh  cha  robh  aon  neach  maille  ris. 
Ghiulain  e  peacadh  an  t-saoghail  'n  a  chorp 
agus  'n  a  anam  fein  air  a'  chrann,  agus  is  e 
aon  de  thoraidhean  a'  pheacaidh,  dealachadh 
n  Dhia.  Bhlais  Criosd  de  shearbhadas  an 
dealachaidh  sin  air  a'  chrann-cheusaidb ; 
chaill  e  a  cho-chomunn  ris  an  Athair,  agus 
bha  sin  'na  shaighead  cho  geur  agus  cho  goirt 
's  gu'n  do  ghlaoidh  e  an  eigin  anama,  Mo 
DJiia,  mo  Dhia,  c'ar  son  a  threig  thu  mil 

Is  e  Dia  grian  an  anama ;  bha  Criosd  a' 
ghiasad  cho  dluth  ri  Dia  's  nach  do  chaill 
anam  riamh  solus  na  greine  gus  an  do  bhlais 
e  air  a'  chrann-cheusaidh  am  bas  sin  as  e 
tuarasdal  a'  pheacaidh  ;  ach  an  uair  a  bhlais 
e  am  bas  sin  chaill  e  solus  na  greine,  solus 
gnuise  Dhe,  is  chaidh  anam  sios  sios  do'n 
dorchadas  a  tha  fuar  is  iomallach.  Do 
dhuine  aig  a  bheil  cridhe  naomh  is  macanta 
is  diadhaidh  cha'n'eil  call  eile  cho  trom  no 
buille  eile  cho  goirt  ri  lathaireachd  Dhe  a 
chall.  Ann  an  obair  a  bheatha  b'  urrfiinn 
Criosd   a  radh  gu  robh  aran  aige  r'a  itheadh 


nach  b'aithne  do'n  t-saoghal  ;  gu'm  bu  ]>hiadh 
agus  gu'm  bu  dheoch  dha  toil  Dhe  a 
dheanamh ;  nach  robh  e  uair  air  bitii  'n  a 
aonar  ach  gu  robh  an  t-Athair  maille  ris,  ach 
a  nis  air  a'  chrann-cheusaidh  b'  eigin  da 
mallachd  agus  tiiarasdal  a'  pheacaidh  a 
g'hiulan  agus  an  dorchadas  spioradail  sin 
fhiosrachadh  a  dh'  fhiosraicheas  anam 
naomh  as  eugmhais  solus  is  lathaireachd  Dhe. 


Gus  an  cuspair  so  a  leantuinn  air  dhoigh 
eile  bu  mhaith  leam  te  de  na  laoidhean  aig 
Gilleasbuig  Mac  Fhearchair  a  chur  sios  air 
an  duilleig  so,  laoidh  nach  'eil  furasda  a' 
faotainn  an  diugh,  agus  laoidh  air  am  bi 
gaol  agam  gu  brath  a  chionn  gu'm  bithinn  a' 
cluinntinn  m'athar  'ga  seinn. 

'G  uini    a  threig  mi  0  m'  Athair, 
'S  nach  toir  aire  do  ni'  ghlaodh, 
C  uim  a  cheil  thu  do  ghni'iis  arm, 
'S  mi  cho  dliith  air  an  aog. 

Gedj  a'vv   aghaidh  rinn  dvsgadh 
Le  droch  run  domh,  clann-daoin' , 
/•s  e  thusa  bhi  'n  gruaim,  riwm 
Fath  mo  sm.uairein   's  mo  chaoidh. 

Is  e  thusa  hhi  ' n  gruaini  rium, 
Riamh  nach  d'fhuair  mi  ach  caomh, 
Chii'ir  air  rn'  anam  trom  iiamhunn, 
\S  dh'  fhag  cho  iruagh  mi  '.s  an  t-saogh'l . 


Uait  na  dean-sa  mo  sgaradh, 
0  m'  Athair  ro-chaomh, 
Tha  am  anam  sior  fhannach\ 
Tha  mo  sjnonnadh  ' ga  chlaoidh. 


Thusa  Shidnuighir  hheannaicht'' , 
Is  ann  a.gad-sa  bha  'n  gaol, 
'Nuair  a  leig  thu  sios  t'  anam, 
Dhuinn  o'n  mhallachd  fhoirt  saors\ 

'S  sinne  thoill  bhi  'g  ar  buaJadh, 
Leis  a'  chruaidh  cheartas  naomh, 
'S  sinne  thoill  bhi  'g  ar  pianadh, 
Ann  am  jiriosan  na  daors' . 

\S  sinne  thoill  bhi  'gar  treigsinn 
'S  ann  an  leir-sgrios  ri  caoidh 
'S  cha  bu,  tusa  Aon-ghradhaich 
'Sheas  'n  ar  n-dite  'gu  cV  chlaoidh. 

Gruaim,  is  corruich  an  Athar 

Sinne  an  c cartas  a  thoill, 

Ghinnn  's  gu  bheil  sinn  'n  ar  jieacaich 

Ghaidh.  air  seachran  o'n  bhroinn. 


31 


Ai'li  hha  T/itisa  Thl  hhmnnaivJit' 
il aib  lion  sinal  urt  li iv  t-sa()<ih'l, 
Gu  neo'thruailUdh  is  malseach 
B7/,ileach  sgarte  n  rlhaoin'. 


Tknir  dhomh  eisdeachd  a  dhuine, 
'S   na  hi  tuiUeadh  gu  faoin. 
Gun  hhi  ' g  earhmdh  Hum,  t'anavi, 
'S  mi  t'aon  cha?-aid   's  a?i  t-saogh'l. 

Bheir  dhuit    saorsa  o'n   mhaJJncIid, 
Bheir  dhuit  maitheanas  caoin, 
Bheir  gu  fialaidh  gach  hennnarhd, 
Bheir  do  d,'  anam  Ian  shaors'. 


AM    BAS. 

Tha  fhins  agrtm  g'le  mhailh  nach  ]>'  urrainn 
mi  (lad  ur  a  radh  mu'n  bhas  ged  dh'  flieuch- 
ainn  I'i  sin  a  dheanamh.  i\.eh  eha'n  ami  a 
ladh  ni  ur  uime  a  tha  mi  dol  a  bhruidhinn 
mu'n  bhas  anns  an  aireamh  so  ach  a  chionn 
on  l)lieil  am  bas  a  ghnath  maille  riiinn,  agus 
a  chionn  gu  bheil  mi  cinnteach  nach 
mor  de  luchd  -  leughaidh  na  duilleig 
so  nach  d'  fhiosraich  cheana  'n  am 
lieatha  fein  tomhas  air  chor-eigin  de  dhorch- 
adas  agus  de  ghoirteas  a'  bhais.  Cha  mhor 
dhaoine  a  thainig  gu  aois  nach  fhaca  am  bas  a' 
tighinn  gu  an  teaghlach  fein  ;  agus  fada  m' 
an  I'uig  duine  feasgar  a  laithean  bidh  an  leth 
as  motha  d'a  chairdean  agus  d'a  luchd-eolais 
air  taobh  thall  na  h-uaighe. 

A  dh'  aindeoin  na  chaidh  a  hibhairt  agus 
a  sgriobhadh  mu'n  bhas  tha  e  fathast  'n  a 
dhlomhaireachd  mhoir.  An  uair  a  dh'  fhagas 
an  t-anam  an  corp  ciod  a  tha  tachairt?  C 
aite  a  bheil  an  t-anam  a'  dol  ?  Tha  Leabhar 
Aighearr  nan  Ceist  ag  radh  gu  bheil  anmanna 
nan  creidmheach  aig  uair  am  bais  air  an 
deanamh  iomlan  ann  an  naomhachd  agus  a' 
dol  a  steach  do  ghloir.  C  aite  a  bheil 
anmanna  nan  aingidh  a'  doU  A  bheil  an 
dealachadh  air  a  dheanamh  aig  uair  am  bais, 
no  am  fan  iad  gun  am  binn  a  bhi  air  a  toirt  a 
mach  gu  la  a'  bhreitheanais?  An  uair  a 
thilgeas  duine  an  anail  ciod  an  seorsa  saoghail 
a  tha  fosgladh  roimhe?  C  aite  a  bheil  a 
chomhnuidh  aige  anns  a'  chruthachadh?  A 
bheil  cuimhne  aige  air  na  dh'  fhag  e  'n  a 
dheidh,  no  bheil  dealachadh  tui'  eadar  an 
da  shaoghal  1  Ciod  e  nadur  na  staid  sin  anns 
a  bheil  an  t-anam  eadar  am  bas  agus  an 
aiseirigh?  No  ciod  e  nadur  na  beatha  a  tha 
aig  an  anam  am  feadh  's  a  tha  an  corp  anns 
an  uaigh? 

Cha'n'eil  duine  rianail  air  thalamh  nach 


tig  ceistean  de'n  t-seorsa  sin  gu  inntinn  an 
drasd  's  a  rls  ach  cha'n'eil  a'  bheag  de  shulus 
ri  fhaotainn  orra.  Bho  linn  Abrahaim  is 
lacoib  sheol  miltean  air  mhiltean  o  chladach 
an  t-saoghail  so,  ach  ma  rainig  iad  an  taobh 
eile  no  ma  tha  iad  'n  am  faireachadh  an 
diugh,  cha  do  chuir  iad  riamh  fios  air  ais 
thugainne  m'an  cor.  An  e  as  aobhar  nach 
b'  urrainn  iad  a  dheanamh,  no  an  e  as  aobhar 
nach  'eil  toil  aca  a  dheanamh?  Bha  Lasarus 
ceithir  laithean  anns  an  uaigh  ach  cha 
ruigear  a  leas  Lasarus  a  chur  ann  am  bocsa 
na  fianuis  oir  bha  a  bhilean  duinte.  Tha 
fichead  rud  mu  thimchioll  na  naigheachd  a 
tha  an  t-abstol  Eoin  ag  innseadh  mu  Lasarus 
a  tha  iongantach  is  neonach,  cho  neonach  's 
nach  'eil  fhios  agam  air  an  t-saoghal  ciod  a 
their  mi  riu,  ach  co  dhiu  cha'n'eil  an  naigh- 
eachd a'  tilgeadh  soluis  air  bith  air  staid  nam 
marbh. 

Tha  mor  an  de  dhaoine  creideasach  a'  cumail 
a  mach  an  diugh  gu'n  d'  fhuair  iad  fios  o 
dhaoine  eile  a  tha  marbh;  tha  moran 
dhaoine  turail  anns  an  rioghachd  a  tha  Ian 
chinnteach  gu'n  d'  fhuaras  a  nis  doigh  air 
bruidhinn  ri  daoine  a  tha  ann  an  saogha! 
nan  spiorad.  Ciod  a  theirear  ris  na  daoine 
sin?  Cha'n'eil  fhios  agam  fein  gu  ro 
mhaith  ciod  a  their  mi  riu?  Cha  bu  mhaith 
leam  a  ghabhail  orm  fein  a  radh  gu  bheil  iad 
'g  am  mealladh  fein,  ach  air  a  shon  sin  an 
uair  a  leughas  mi  na  nithean  a  bhios  iad  a' 
sgriobhadh  agus  na  dearbhaidhean  a  bhios 
iad  a'  toirt  seachad,  bidh  mi  a'  faireachduinn 
mar  gu'm  bithinn  ann  an  saoghal  a  tha 
purraich  air  tharraich,  saoghal  anns  am  feum 
mi  seasamh  air  mo  cheann  an  aite  a  bhi  gu 
socrach  air  mo  chasan.  Ma  tha  bun  no  barr 
aig  an  taisbeanadh  ur  a  tha  tighinn  o  Shir 
Oliver  Lodge  agus  o  Shir  Conan  Doyle  agus 
o'n  chomunn  ris  an  abrar  spiritualists,  cha 
do  ghreimich  m'  inntinn-sia  air  fhathast. 

Cha  dubhairt  Criosd  moran  riamh  mu  bhas 
a'  chuir  p.  Is  ann  mu  bhas  eile  a  bu  trice  a 
labhair  e.  Cha  robh  ann  am  bas  a'  chuirp 
'n  a  shuilean-san  ach  cadal,  ni  a  tha 
nadurra  gu  leoir.  Tha  e  fior  gu  bheil  an 
samhladh  so  ri  fhaotainn  ann  an  litreachas 
eile  cho  mhaith  's  a  gheibhear  e  ann  an 
teagasg  Chriosd,  agus  gu'm  faighear  e  fada 
fada  roimh  la  Chriosd,  ach  ma  gheibh,  bha 
na  daoine  sin  eile  a  chleachd  an  samhladh  a' 
ciallachadh  le  cadal  a'  bhais  cadal  gun 
diisgadh.  Ach  cha  b'e  sin  a  bha  Criosd 
a'  ciallachadh  an  uair  a  thubhairt  e  m'  an 
nighinn  oig,  chayi'eU  i  morhh  ach  tha  i  'n  a 
cadal,  no  thubhairt  e  mu  Lasarus,  Tha  ar 
caraid  Lasarus  'na  chadal  ach  tha  mise  a'  dol 
chum  gu'n  duisg  mi  as  a  chadal  e.  Tha  an 
Tiomnadh  Nuadh  a'  labhairt  mu'n  bhas  mar 
chadal   cho  bitheanta   's  gu'n    dubhairt     an 


32 


Naomh  Augustine,  Car  son  a  theirear  gu 
bheil  iad  'n  an  cadal  ach  a  chionn  gu'n 
diiisg  iad  ann  an  la  an  Tighearna. 

Tha  dorchadas  cho  tiugh  mu'n  bhas  's  gu'n 
tugadh  iomadh  duine  a  mhaoin  uile  aii-  son 
aon  leus  soluis.  Ach  an  taobh  a  mach  de'n 
chreideamh  Chriosduidh  cha'n'eil  solus  ri 
fhaotainn.  Bho  chionn  na  ceudan  bliadhna 
thubhairt  Socrates  na's  urrainn  neach  air 
bith  a  radh  le  solus  reusoin  no  le  solus 
naduir.  "  Dhomhsa,"  ars'  esan,  "tha  am 
bas  air  orduchadh  agus  dhuibhse  beatha,  ach 
CO  dhiii  as  feari-,  is  ann  a  mhain  nig  Dia  tha 
fhios. ' ' 

Ach  bho  laithean  Shocrateis  thainig  solus  a 
dh'  ionnsuidh  an  t-saoghail,  soisgeul  losa 
Criosd,  agus  is  ann  anns  an  t-soisgeul  sin  a 
mhain  a  gheibhear  dearbhachd  na  beatha 
maii'eannaich.  Gheibhear  dochas  na  beatha 
maireannaich  anns  gach  creideamh  agus  anns 
gach  diithaich  air  thalamh,  ach  ann  an  losa 
Ci'iosd  gheibhear  cinnte  nan  nithean  ris  an 
robh  dochas  agus  dearbhadh  nan  nithean 
nach  faicear.  Na.  hitheadh  'ur  cridhe  fo 
thrioblaid',  ann  an  tigh  vi  athar-sa  tha 
iomadh  aite-cdmhniiidh ;  mur  hitheadh  e  mar 
sin  dW  innsinn-sa  dhuibh ;  oir  tha  mi  a'  dol 
a  dh'  ullachadh  aite  dhuibh  ;  far  am  bi  wise 
hidh  sibhse  mar  an  ceudna. 

Gus  am  fosglar  na  leabhraichean  aig  la  a 
bhreitheanais  cha'n  fhaighear  a  mach 
aireamh  mhor  nan  dhaoine  d'an  robh  na 
briathran  so  'n  an  solus  agus  'n  an  neart  ann 
an  stri  am  beatha  agus  aig  uair  am  bais,  a' 
toirt,  a'  ghatha  as  a'  bhas  agus  a  tionndadh 
righ  nan  uamhas  gu  bhi  'n  a  theachdaire  sithe. 
Cha'n'eil  am  Biobull  ag  innseadh  moran 
dhuinn  mu  staid  na  marbh  no  mu  neamh 
ach  is  leor  na  tha  e  ag  innseadh ;  iadsati  a 
rhaidleas  ann  an  Criosd  bheir  Dia  maille  ris. 
Tha  iad  comhla  ris-san.  Tha  iad  air 
an  gleidheadh  sabhailte  'n  a  churam- 
san.  Cha  bhris  am  bas  an  ceangal  a 
tha  eadar  an  t-anam  agus  Dia  anns  a' 
bheatha  so.  Is  beatha  shiorruidh  a'  bheatha 
a  tha  a'  fas  annta-san  a  chreideas  ann  an 
Criosd ;  ged  thuiteas  an  cuirp  do'n  uaigh 
cha  tig  caochladh  air  a'  bheatha  sin  is  cha 
bhean  am  basi  rithe.  Cha'n'eil  cumhachd 
aige  thairis  oirre. 

B'abhaist  do  aon  de  na  seann  diadhairean 
a  bhi  ag  radh  gu'm  bu  choir  do  dhaoine  am 
has  a  ghleidheadh  fa  chomhair  an  inntinn  a 
h-uile  la  d'ani  beatha.  Theagamh  gu'm 
biodh  sin  maith  do  chuid  ach  dheanadh  e 
cron  do  chuid  eile.  Ged  is  maith  do  dhaoine 
a  bhi  ullaichte  air  son  a'  bhais  cha'n  ann  a  dh' 
ullachadh  dhaoine  air  son  a'  bhais  a  thainig 
Criosd  a  steach  do'n  t-saoghal  ach  'gan 
saoradh  o'n  olc  agus  'g  an  ullachadh  air  son 
na  beatha  dhiadhaidh  agus  obair  rioghachd 


Dhe.      Tha  an   duine  a  ni  toil  Dhe  deas  air 
son.  a'  bhais  daonnan. 

Ach  air  a  shon  sin  cha  bu  choir  do  dhaoine 
a  tha  gabhail  orra  a  bhi  grunndail  is  glic 
an  laithean  a  chur  seachad  gun  smuain  idir 
aca  air  a'  bhas.  Tha  am  bas  'n  a  ni  cho 
cinnteach  agus  'n  a  ni  cho  soluimte  's  gu'm 
bu  choir  duinn  ar  n-inntinnean  a  chleachdadh 
ris,  gu  bheil  e  air  thoiseach  oirnn  uile.  Is 
e  an  t-aon  ni  cinnteach  as  urrainn  duine  air 
bith  a  radh  m'a  bheatha  fein  air  thalamh 
gu'n  tig  i  la  air  chor-eigin  gu  crich.  Ach 
tha  e  duilich  do  dhaoine  sin  a  ghabhail  a 
steach  an  uair  a  tha  iad  luath  is  laidir.  Ma 
leughas  iad  na  briathran  so,  no  ma 
chluinneas  iad  neach  eile  'g  an  leughadh, 
Tha  gach  uile  fhedil  mar  fheiir,  agus  uile 
ghldir  dhaoine  mar  bhldth  an  fheoir, 
cluinnidh  iad  iad  gun  bhi  'g  an  cluinntinn 
agus  leughaidh  iad  iad  gun  bhi  'g  an  tuig- 
sinn  ;  cha  dean  iad  greim  air  bith  air  an  aire 
no  air  an  cridheachan.  Ach  bhitheadh  e 
chum  buannachd  dhuinn  na'n  abramaid  ri 
ar  cridheachan  fein,  Tha  sin  fior  m'am 
bheatha-sa ;  tha  mo  laithean  a'  dol  seachad 
mar  shruth,  is  cha'n  fhada  gus  an  cruinnich 
cairdean  gu  bhi  ag  locadh  an  dleasdanas 
deireannach  domh  mar  rinn  mi  fein  cheana 
do  mhor  an  eile. 

Ged  tha  am  bas  'n  a  theachdaire  sithe  do 
shluagh  an  Tighearna  ciod  a  theirear  uime 
riu-san  a  tha  aineolach  air  Dia  agus  air 
Criosd  agus  air  an  t-slainte  a  dh' 
ullaich  Dia  air  an  son.  Mur  bheil  dochas  aig 
duine  ach  anns  a'  bheatha  so  a  mhain  is 
truagh  da  rireadh  a  chor.  Ma  tha  diiil  is 
dochas  aig  duine  gu  bheil  sonas  is  fois 
shiorruidh  nan  naomh  a'  feitheamh  air  air 
taobh  thall  na  h-uaighe  a  bheil  iongantas  ann 
ged  dhunadh  e  a  shuilean  ann  an  sith  agus 
ged  rachadh  e  sios  do  ghleann  sgaile  a'  bhais 
gun  fhiamh,  gun  eagal. 

Ach  mur  bheil  an  dochas  sin  aig  duine  tha 
am  bas  'n  a  chuis-eagail.  Ma's  ann  air  eigin 
a  thearnar  am  firean  c'aite  an  taisbein  an 
duine  mi-dhiadhaidh  agus  am  peacach  e  fein? 
An  uair  a  tha  duine  a'  fagail  an  t-saoghail 
so,  a'  dol  a  steach  do'n  t-siorruidheachd  gun 
chompanach  ach  a  pheacanna  fein  an 
ionghnadh  ged  bhitheadh  eagal  air  agus  ged 
nach  biodh  fois  aig  a  spiorad. 

Dean  dichioll  uime  sin  'n  a  thrdth 
Cr\och,  a  chur  air  saothair  do  lamh, 
Oir  saothair,  seol,  no  obair  ghlic, 
Cha  deanar  leat  gu  brdth  fo'n  lie. 

'San  uaigh  d'am  bheil  sinn  uile  triall 
Maith' neas  cha  'n  fhaigh  's  cha  d'  fhvnradh 

riamh  ; 
Gun  chaochladli  bithidh  cor  gach  neach 
Gih  dm  d'a  bhinne  teachd  a  mach. 


1929. 


CRANN   NAM  BUADH. 

A?i  ned-ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile  a  tha 
gahhail  seachad?  arnhaircihh,  agus  faicihh  a 
bheil  doilgheas  sam  hith  cosm,huil  ri  mo 
dhoilgjieas'sa  a  thiigadh  orm. — ^Tuireadh 
leremiah,  i,  12. 

Ged  tha  iomadh  acarsaid  bhriagha  air 
taobh  an  lar  na  h-Alba  cha'n'eil  gin  idir  ann 
as  boidhclie  na  acarsaid  Thobar-mhoire.  A 
thuilleadh  air  a'  mhaise  leis  an  do  sgeadaich 
lamh  a'  Chruithfhir  an  cala  seasgar  ud  tha 
da  rud  shonraichte  ann  a  rinn  iomraiteach 
e  am  fad  's  am  f arsuingeachd ;  (1)  an  long 
mhor  Spainnteach  a  chaidh  fodha  ann,  agus 
(2)  long  nan  eilthireach  a  dh'  fhalbh  as  do 
America,  rud  a  thug  cothrom  do  Gharaid 
nan  Gdidheal  dealbh  Thobar-mhoire  a 
tharruing  ann  am  briathran  cho  maiseach  's 
nach  fhas  iad  sean  gu  brath. 

Ach  chi  am  feai'-turuis  a  theid  a  stigh  do 
Thobar-mhoire  an  diugh,  ma  theid  e  a  stigh 
o'n  mhuir,  rud  nach  fhaca  Tormod  Mac 
Leoid ;  chi  e  air  ag'haidh  creige  no  stalla  a 
tha  ri  oir  na  mara  na  briathran  so  air  an 
sgriobhadh  am  Beurla  ann  an  litrichean 
mora  geala,  Is  grddh  Dia. 

Cha'n'eil  fhios  agam-sa  c6  a  sgriobh  na 
briathran  ud  no  c'uin  a  bha  iad  air  an 
sgTiobhadh  an  toiseach,  ach  co  dhiu  tha  mi 
toilichte  gu  bheil  iad  ann,  a'  togail  fianuis 
air  Dia  agus  air  an  t-saoghal  eile  ann  an 
suilean  dhaoine  nach  urrainn  gun  an  leugh- 
adh  an  uair  a  bhios  iad  a'  tighinn  a  stigh 
do'n  acarsaid  no  'g  a  fagail.  Tha  cuimhne 
agam  gus  an  la  an  diugh  an  druidheadh  a 
rinn  iad  air  mo  chridhe  fein  a'  cheud  uair 
a  leum  iad  suas  m'am  choinneamh  air  a' 
chreig  ud,  agus  mi  'nam  bhalach  6g  a'  dol 
do'n  bhaile-mhor  do'n  sgoil.  Tha  miltean 
de  dhaoine  anns  an  t-saoghal  an  diugh  ris 
nach  'eil  am  Biobull  a'  faotainn  cothrom  air 
labhairt  mur  cluinn  iad  criomain  bheaga 
dheth  aig  tiodhlacadh,  daoine  nach  'eil  a' 
dol  do'n  eaglais  agus  nach  eil  a'  leughadh 
an  leabhair  aig  an  tigh.  Co  aige  a  tha  fhios 
nach  fhaod  am  facal  ud  labhairt  ri  cridh- 
eachan  cuid  dhiubh  sin  am  measg  an  luchd- 
turuis  a  bhios  a'  dol  a  stigh  do  acarsaid. 
Thobar-mhoire,  a'  cur  'n  an  cuimhne  nithean 
a  bha  iad  a  dichuimhneachadh. 

Cha  robh  mise  riamh  ann  an  duthaich  nan 
Suiseach  ach  leugh  mi  gu  bheil  an  cleach- 
dadh  so  aca-san  cuideachd,  a  bhi  sgriobhadh 


briathran  a'  Bhiobuill  an  aitean  far  a  bheil 
iad  cinnteach  gu'n  leugh  luchd-turuis  iad. 
Ann  an  aite  sonruichte  tha  rathad  a'  dol  suas 
air  taobh  beinne  a  tha  anabarrach  cas,  agus 
aig  tionndadh  a  tha  air  an  rathad  air 
grianan  boidheach  tha  crois  air  a  cur'n  a 
seasamh  agus  na  briathran  so  air  an  sgriobh- 
adh aig  a  bonn,  An  neo-ni  e  dhuibhse,  o 
sibhse  uile  tha  gabhail  seachad?  amhaircibh, 
agus  faicibh  a  bheil  doilgheas  sam  bith 
cosmhuil  ri  mo  dhoilgheas-sa.  Co  a  b' 
urrainn  a'  chrois  ud  fhaicinn  'n  a  leithid 
de  aite  gun  a  chomhdach-cinn  a  chur  dheth 
agus  urnuigh  a  chur  suas  'na  chridhe?  An 
uair  a  chitheadh  tu  na  briathran  ud  agus 
a'  chrois  comhla  cha  b'e  tuireadh  leremiah 
no  bron  duine  air  bith  eile  a  bheireadh  iad 
'n  ad  chuimhne  ach  ainm  is  aghaidh  an  t- 
Slanuighir  bheannaichte  a  bha  air  a  dhean- 
amh  'na  dhuine  dhoilgheasan  agus  eolach  air 
bron  air  ar  son-ne. 

Sin  am  bron  anns  a  bheil  leigheas  is 
locshlaint  do'n  t-saoghal,  am  bron  a  tha 
nochdadh  do'n  t-saoghal  coibhneas  agus 
caomhalachd  ar  n-Athar  nfeamhaidh. 

An  Albainn  cha'n'eil  e  'na  chleachadh 
(co  dhiu  gu  coitcheann)  a  bhi  cumail  cuimhne 
air  bas  ar  Tighearna  air  Di-haoine  Ceusd. 
Tha  sin  gle  neonach  oir  thachair  nithean  an 
la  ud  nach  fhaca  an  saoghal  riamh  roimhe 
agus  nach  tachair  gu  brath  tuilleadh,  nithean 
a  chuir  eagal  air  daoine  is  ionghnadh  air  na 
h-ainglean  naomh,  Mac  gradhach  Dhe  air  a 
cheusadh  le  lamhan  pheacach.  Sin  rud  cho 
soluimte  agus  cho  miorbhuileach  's  nach  'eil 
e  furasd  a  thuigsinn  ciamar  as  urrainn 
daoine  a  leigeil  as  an  cuimhne,  no  co-ainm 
an  la  a  chur  seachad  mar  nach  biodh  e  ach  mar 
la  eile.  An  neo-ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile 
tha  gabhail  seachad  1 

Bho  chionn  mile  bliadhna,  seadh  bho  linn 
nan  abstol,  tha  daoine  glic  is  ionnsaichte  a' 
feuchainn  ri  thuigsinn  ciod  an  ceangal  a  tha 
aig  bas  Chriosd  ri  maitheanas  peacaidh,  no 
ciod  an  seadh  anns  am  faodar  a  radh,  gur 
e  bas  Chriosd  clach-steidh  ar  creidimh  agus 
ar  barantas  gu'n  do  choisinn  e  dhuinn  reite 
ri  Dia.  Ach  ciod  air  bith  an  fhreagairt  a 
bheirear  do  na  ceistean  sin  tha  so  flor  oo  dhiii, 
nach  robh  agus  nach  'eil  cumhachd  eile  air 
an  t-saoghal  cho  laidir  ris  a'  chumhachd  a 
tha  anns  a'  chrann-cheusaidh.  Cha'n'eil  aig 
daoine  ach  a  dhealbh  fhaicinn  ri  taobh  an 
rathaid,  crois  a  chuireas  Calbhari  'n  an 
cuimhne,  agus  ni  e  maoth  cridheachan  a  tha 
cho  cruaidh  ri  cloich, 


34 


Tha  smuaintean  dhaoine  niu  phuingean 
creidimh  agus  mu'n  aite  a  tha  aig  bas 
Chriosd  ann  an  obair  na  slainte  ag  atharrach- 
adh  0  linn  gu  linn  ach  cha  'n  ann  ann  an 
smuaintean  dhaoine  a  tha  cumhachd-tearn- 
aidh  ach  ann  an  crann  nam  buadh  e  fein. 
Ann  an  stri  am  beatha  agus  aig  uair  am  bais 
togaidh  daoine  an  suilean  ris  a'  chrann  sin, 
oir  tha  iad  a'  faicinn  ann  lamhan  Dhe  sinnte 
a  mach  ann  an  gradh,  a'  beannachadh  a 
chloinne  agus  a'  gul  os  an  cionn.  An  neo= 
ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile  tha  gahhail 
seachad?  avihaircihh  agus  faicihh  a  hheil 
doilgheas  sam  hith  cosvihuil  ri  mo  dhoilgheas- 
sa,  deir  an  Tighearna. 

Tha  Dia  a'  dearbhadh  a  ghraidh  dhuinne 
do  bhrigh,  an  uair  a  bha  sinn  fathast  'n  ar 
peacaich,  gu'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar 
son.  Cha'n  urrainn  daoine  teagamh  a  chur 
ann  an  cumhachd  Dhe  no  ann  an  gliocas  Dhe 
oir  tha  cumhachd  is  gliocas  an  Tighearna  air 
an  sgriobhadh  air  aglxaidh  na  talmhainn, 
anns  na  creagan,  agus  anns  na  neamhan,  oho 
soilleir  's  gur  leir  do  gach  siiil  iad  Ach 
tha  e  furasda  gu  leoir  do  dhaoine  teagamh 
a  chur  ann  an  gradh  Dhe  oir  cha'n 'eil  fianuis 
a'  chruthachaidh  idir  cho  soilleir  uime  sin. 
An  dara  uair  saoilidh  tu  gu  bheil  an  cruth- 
achadh  ag  innseadh  gu  bheil  baigh  is  gradh 
is  caomhalachd  ri  cloinn-daonna  ann  an 
cridhe  a'  Chruithfhir,  ach  an  uair  eile  saoilidh 
tu  gu  bheil  an  cruthachadh  ag  radh  gur  coma 
leis  a'  Chruithifhear  co  dhiu  a  tha  cridh- 
eachan  chloinn-daonna  sona  no  leonta,  no  co 
dhiu  a  roghnaicheas  iad  fireantachd  no  eucoir. 
Mar  sin  thug  Dia  comharradh  cinnteach  do'n 
t-saoghal  air  a  ghradh  siorruidh  fein,  crann- 
ceusaidh  a  mhic. 

Cta  an-mhor  trdcair  Dhia  nan  grcis  : 
Gia  pailt  a  ghradh  is  'iochd , 

A  thug  a  mhac  m,ar  'ioharrt  si/a^x, 

A  dh'  fhidang  truaigh  'n  ar  riochd. 


AN  EAGLAIS. 

(Toiseach    a    toiseachaidh.) 

An  uair  a  bha  Criosd  air  thalamh  cha  do 
chuir  e  air  chois  comunn  air  bith  coltach  ris 
an  eaglais  a  dh'  fhas  suas  an  deidh  laimhe. 
Bhiodh  e  gle  dhuilich  a  radh  co  dhiubh  a  bha 
e  'na  bheachd  eaglais  a  chur  air  chois  no 
nach  robh.  Tha  iomadh  rud  'na  theagasg 
nach  'eil  a'  toirt  gnius,  idir  do  chumhachd 
no  do  chomnunn  air  bith  anns  an  t-saoghal 
coltach  ris  an  eaglais  Chriosduidh.  Bhiodh 
e  a'  labhairt  air  uairean  mar  gu'm  bu  leor 
do  dh'uine  an  eaglais  a  tha  'na  chridhe  fein ; 
anns  an  teagasg  a  thug  e  do  na  deisciobuil 
air  a'  bheinn  cha'n'eil  iomradh  air  a 
dheanamh  air  teampull  no  eaglais  no  aoradh 


follaiseach  ach  dh'  iarr  e  orra  urnuigh  a 
dheanamh  ann  'an  uaigneas  agus  deirc  a 
thoirt  seachad  gun  fhios  do  dhaoine. 

Tha  e  fior  gu'n  do  ghairm  e  buidheann  de 
chreidmich  gu  bhi  comhla  ris,  is  theagamh  gu 
robh  am  buidheann  sin  na  bu  mhotha  na  tha 
sgoilearan  am  bitheantas  an  dull,  oir  a 
thuilleadh  air  an  da  abstol  dheug  bha  aireamh 
mhaith  de  dhaoine  eile  agus  de  mhnathan  'g 
a  leantuinn  agus  'g  a  aideachadh  mar  an 
athair  spioradail.  Tha  Pol  ag  innseadh  mu 
choig  ceud  de  na  braithrean  d'  an  robh  e  air 
fhoillseachadh  an  deidh  'aiseirigh,  is  bhiodh 
feadhainn  eile  ann  nach  robh  comhla  riu  aig 
an  am.  Ach  a  reir  choslais  cha  tainig  e  'n  a 
inntinn  am  buidheann  sin  a  cheangal  r'a 
cheile  le  bannaibh  eaglais,  no  ma  thainig,  cha 
do  rinn  e  e.  Bu  leor  leis  gu  robh  iad  air 
an  ceangal  r'a  cheile  le  bannaibh  eile,  bann- 
aibh a'  ghraidh. 

Ach  an  taobh  a  stigh  de  bheagan  bhliadh- 
nachan  an  deidh  a  bhais  dh'  fhas  am  buidh- 
eann dhaoine  so  'n  an  eaglais  laidir.  Bha  an 
eaglais  Chriosduidh  air  a  breith,  naoidhean 
maoth  ann  an  toiseach  a  toiseachaidh  ach 
naoidhean  air  an  tainig  fas  is  cinneas  cho 
mor  's  nach  fhacas  cumhachd  no  conmnn  eile 
riamh  air  thalamh  a  ghabhas  coimeas  ris  an 
eaglais.  Ach  c'  uin  no  ciamar  a  chaidh  an 
eaglais  a  bhreith  cha  'n  urrainnear  gu  ceart 
a  radh.  Theagamh  gu  robh  i  anns  an  t- 
saoghal  m'an  robh  fhios  aig  daoine  gu  robh 
i  'n  am  measg. 

NA  CEUD   CHREIDMHICH. 

An  deidh  na  h-aiseirigh  chruinnich  mu  shia 
fichead  de  luchd-leanmhuinn  Chriosd  ann  an 
Jerusalem.  Thainig  iad  do  lerusalam  agus 
theagamh  dochas  aca  gu'n  tigeadh  Chriosd 
air  ais  agus  gu'm  foillsicheadh  e  e  fein  a  ris 
mar  am  Mesiah  a  bha  I'i  teachd  gu  theampull 
gu  grad.  B'e  a'  cheud  rud  a  rinn  iad  fear 
eile  a  chur  an  aite  ludais,  is  thuit  an  crann 
air  Mattias.  Cha'n'eil  e  coltach  gu'n  tainig 
e  'n  an  inntinn  anns  na  laithean  ud  teachd- 
airean  a  chur  a  mach  leis  an  t-soisgeul  oir 
bha  fiughair  aca  ri  teachd  Chriosd  gu  grad, 
is  chuir  iad  seachad  an  nine  ag  urnuigh  agus 
a'  bruidhinn  ra  cheile  mu'n  dochas  mhor  so. 
Is  ann  mu'n  am  so  a  thoisich  an  cleachdadh 
a  bhi  briseadh  arain  'nam  measg  fein,  aig 
deireadh  trath  bidh  comhla,  mar  a  bhris  losa 
aran  aig  an  t-suipear  dheii'eannaich.  B'e 
so  aon  de  na  doighean  leis  an  robh  iad  a' 
cumail  beo  an  dochaii?'  a  bha  'nan  cridhe  gu'n 
tigeadh  e  a  ris. 

B'ann  de  mhuinntir  Glial ile  a  bha  a'  mhor- 
chuideachd  de  na  ceud  chreidmhich.  Bha 
iad  air  an  aineoil  an  Jerusalem,  gun 
dachaidh,  gun  obair,  gun  bheo-shlaint,  is  b' 
fheudar  do'n  fheadhainn  aig  an  robh  airgiod 


35 


no  ni  an  cuid  a  chur  an  comaidh  Ips  nach 
biodh  cion  no  acras  air  gin  de  na  braithrean. 
Bha  e  na  b'  fhasa  dhaibh  so  a  dheananih  a 
chionn  gu  robh  duil  aca  gu  robh  deiveadh  an 
t-saoghail  dliith. 

B'e  Peadar  a  bha  air  cheann  na  h-eaglais 
anns  na  laithean  ud.  An  deidh  laimhe  an 
uair  a  dh'  eirich  ceistean  sonraichte  anns  an 
eaglais  agus  a  dh'  fhosgail  dorsan  sonraichte 
roimhpe  tre  an  robh  Dia  'ga  gairm  gu  seirbhis 
dha  fein  cha  robh  Peadar  'na  stiuramaiche  cho 
cinnteach  ri  Pol,  ach  ann  an  toiseach  a 
toiseachaidh  bha  feum  aig  an  eaglais  air 
duine  dileas  is  teo-chridheach  a  bhi  air  a 
ceann,  agus  sin  da  rud  anns  nach  robh  Peadar 
air  dheireadh.  Mur  biodh  Peadar  air  a  ceann 
anns  na  laithean  ud  cha  do  thog  an  eaglais 
a  'ceann    riamh. 

LA  NA  CAINGIS. 

A  reir  Gniomharan  nan  abstol  b'e  la-breith 
na  h-eaglais  la  na  caingis,  seachd  seach- 
duinnean  an  deidh  bas  Chriosd  air  Calbhari. 
Air  an  la  sin  bha  na  deisciobuil  cruinn  comhla 
mar  a  b'abhaist,  ach  m'  an  do  dhealaich  iad 
thoisich  iad  air  labhairt  le  teangaidhean  eile. 
Tha  moran  anns  an  naigheachd  so  a  tha  Lucas 
ag  innseadh  ann  an  (Iniomharan  nan  Abstol 
nach  'eil  furasda  dhuinne  an  diugh  a 
thuigsinn  ach  co  dhiu  bha  na  ceud  chreidmich 
cinnteach  gu'n  tainig  ni  mor  agus  ni  iir  a 
steach  do'n  t-saoghal  an  la  ud ;  bha  iad 
cinnteach  gu'n  d'  fhuair  iad  an  Spiorad  o 
neamh,  agus  ann  an  cumhachd  an  Spioraid 
sin  chaidh  iad  a  mach  air  feadh  an  t-saoghail 
a  liubhairt  teachdaireachd  an  t-soisgeil.  B'e 
an  dearbhachd  so  a  bha  ann  an  cridhe  na  h- 
eaglais  gu'n  tug  Dia  cumhachd  an  Spioraid 
dhi  a  chum  dileas  agus  daingean  i  an  uair 
a  dh'  eirich  geur-leanmhuinn  'n  a  h-aghaidh 
anns  an  t-saoghal. 

Bho  la  na  Caingis,  mata,  thoisich  an  eaglais 
air  an  t-soisgeul  a  chraobh-sgaoileadh,  an 
toiseach  ann  an  lerusalem  agus  anns  na 
bailtean  eile  mu'n  cuairt  air.  Fad  greis 
mhaith  cha  do  dhealaich  an  eaglais  Chrios- 
duidh  ris  an  eaglais  ludhaich  ;  ged  bha  na 
creidmhich  a'  leantuinn  Chriosd  bha  iad  'g 
an  cunntas  fein  mar  ludhaich  dhlleas  agus 
mar  bhuill  de  'n  eaglais  ludhaich.  Sin  an 
t-aobhar  nach  do  rinn  athraichean  is  luchd- 
riaghlaidh  na  h-eaglais  ludhaich  a'  bheag  an 
aghaidh  na  h-eaglais  Chriosduidh  anns  na 
laithean  ud.  Mur  tug  iad  am  beannachd 
dhi  CO  dhiu  cha  tug  iad  am  mallachd  dhi  mar 
a  mhallaich  lompairean  an  t-saoghail  i.  Tha  e 
fior  gu  robh  cuid  de  na  h-abstoil  air  an  cur  an 
sas  agus  air  an  toirt  air  beulaobh  na  comhairle 
a  chionn  gu'n  do  shearmonaich  iad  an 
aiseirigh,  ach  cha  do  rinneadh  na  bu  mhiosa 
orra  na  achrnhasan  g-  thoirt  daibh.     Cho  fhad 


's  a  ghnathaicheadh  duine  aitheantan  is 
cleachdanna  na  h-eaglais  ludhaich  bha  na 
seanairean  car  coma  ciod  na  heachdan  a  bha 
aige  a  thaobh  nithean  spioradail.  Bha  na 
h-abstoil  a'  coimhead  an  lagha,  lagh  Mhaois, 
agus  mar  sin  leig  an  eaglais  ludhach  leo ;  cha 
do  rinn  i  geur-leanmhuinn  orra  gus  an  do 
thoisich  Pol  air  teagasg  do  na  Criosduidhean 
nach  bu  choir  daibh  a  bhi  air  an  ceangal  le 
cuingean  ludhach.  Cho  fhad  's  a  bha  Seumas 
agus  Peadar  air  cheann  na  h-eaglais  Chriosd- 
uidh cha  do  dhealaich  i  ris  an  eaglais 
ludhach,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  thoisich 
Pol  air  command  fhaotainn  anns  an  eaglais 
bhris  i  a  mach  o'n  eaglais  ludhaich. 
POL  AGUS   AN  LAGH. 

Cha  robh  Pol  fada  a'  searmonachadh  an 
t-soisgeil  an  uair  a  chunnaic  e  nach  gabhadh 
am  fion  ur  a  chumail  ann  an  seann  searragan  ; 
chunnaic  e  nach  b'urrainn  da  teagasg  fars- 
uing  agus  spioradail  Chriosd  a  dheanamh 
cumhann  air  ghaol  na  h-Iudhaich  a  thoileach- 
adh,  agus  mar  sin  ghabh  e  a  rathad  fein  is 
dh'  fhosgail  e  dorsan  na  h-eaglais  do  na 
cinnich,  gun  chumhachan  air  bith  a  chur 
orra  a  thaobh  timchioll-ghearradh  no  gnath- 
annan  eile  an  lagha.  An  toiseach  cha  do 

chord  so  ri  Peadar  agus  ri  feadhainn  eile  de 
na  braithrean,  ach  mu  dheireadh  chunnaic 
iad  gu  robh  Pol  ceart,  is  dh'  aontaich  iad  leis. 

Ann  an  eachdraidh  na  h-eaglais  cha  do 
chruinnich  seanadh  riamh  aig  an  robh  nithean 
cho  cudthromach  air  a  bheulaobh  's  a  bha 
air  beulaobh  an  t-seanaidh  a  chruinnich  an 
lerusalem  ann  an  linn  nan  abstol,  mu'n 
bhliadhna  50  A.  D.  Ann  an  Antioch  far  an 
robh  moran  de  na  cinnich  a'  gabhail  ris  an 
t-soisgeul  thoisich  Pol  air  an  gabhail  a  steach 
do'n  eaglais  gun  uiread  agus  iarraidh  orra 
an   lagh   ludhach   a   choimhead.  Thug  so 

oilbheum  do  chuid  de  na  braithrean 
ludhach  is  dh'  fheuch  iad  ri  stad  a  chur  air 
Pol.  Ach  chaidh  Pol  do  lerusalem  is  chuir 
e  an  grothuch  air  beulaobh  nan  abstol  agus 
nan  seanairean.  Bha  Seumas  anns  a' 
chathair,  duine  laidir  ach  duine  car  cumhann, 
duine  nach  ruigeadh  gu  brath  an  ire  a  rainig 
e  agus  an  t-iighdarras  a  bha  aige  mur  bitheadh 
gur  e  hrdthair  an  Tighearna  a  bha  ann,  agus 
gu'm  b'e  fein  agus  losa  clann  na  h-aona 
mhathar.  Gheibhear  da  chunntas  air  an 
t-seanadh  so  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  anns 
a'  choigeamh  caibideil  deug  de  Ghniomharan 
nan  Abstol  agus  anns  an  dara  caibideil  de 
litir  Phoil  chum  nan  Galatianach.  Cha'n'eil 
an  da  chunntas  a'  cordadh  uile  gu  leir,  ach 
tha  iad  le  cheile  ag  innseadh  gu'n  tugadh  do 
Phol  air  a'  cheann  mu  dheireadh  an  t-saorsa 
a  blia  dhith  air. 

Ach  an  deidh  laimhe  chaidh  amiadh  anns  a' 
ghnothujch    a    ris;    chaidh    Peadar    sios    do 


36 


x^ntioch,  theagamh  a  chuideachadli  na  h-oibre 
mhaith  a  bha  dol  air  aghaidh  ami  ;  an  toiseach 
bha  e  am  measg  nan  cinneach  mai'  aon  diubh 
fein  ag  itheadh  aig  an  aon  bhord  maille  riu 
mar  nach  robh  e  a'  civr  cudthrom  air  bith  air 
gnathanna  an  lagha.  Ach  thainig  cuid  de 
chairdean  Sheumais  do  Antioch  cuideachd,  is 
ciod  air  bith  a  thubhairt  iad  ri  Peadar,  tharr- 
uing  Peadar  air  falbh  o  na  cinnich  ;  cha  suidh- 
eadh  e  aig  biadh  leo  air  eagal  an  lagh  ludhaeh 
a  bliriseadh,  is  thoisich  na  braithrean  eile  air 
eisempleir  a  leantuinn.  Bha  e  soilleir  do 
Phol  gu'n  deanadh  so  da  leth  air  an  eaglais, 
nach  b'  urrainn  ludhaich  agus  cinnich 
suidhe  aig  bord  an  Tighearna  comhla,  agus 
mar  sin  sheas  e  gu  laidir  an  aghaidh 
Pheadair.  Bha  a  leithid  de  fhearg  air  Pol 
's  gu'n  do  chleachd  e  cainnt  gu  maith  laidir 
mu  Pheadar,  ag  radh  gu'n  do  rinn  e 
cealgaireachd. 

Cha'n  urrainn  sinn  a  radh  ciod  an  deireadh 
a  bha  aig  a'  chonnspoid  so  a  bha  eadar  Peadar 
agus  Pol,  ach  co  dhiubh  tha  e  coltach  gu'n  do 
rinn  iad  reite  a  rig,  oir  ami  an  cuid  d'a 
litrichean  tha  Pol  a'  deanamh  iomraidh 
coibhneil  is  cairdeil  air  Peadar.  Ach  riamh 
tuilleadh  cha  d'  fhuair  Peadar  air  cheann 
gnothuich  amis  an  eaglais.  Thachair  dha 
mar  a  thachras  daonnan  do  luchd-riaghlaidh 
nach  h-urrainn  comharraidhean  na  h-aimsire 
a  leughadh,  no  ceum  iir  a  ghabhail  air  an 
aghaidh,  no  seann  nithean  a  leigeil  seachad. 


NEOPHOBIA. 


Sin  agad,  a  leughadair,  an  t-ainm  a  bhios 
aig  daoine  ionnsaichte  air  galair  d'a  bheil 
moran  dhaoine  buailteach,  galair  a  bhios  a' 
tighinn  air  an  inntinn  agus  a  tha  na's  miosa 
air  uairean  na  tinneas  cuirp,  oir  bheir  e  air 
daoine  nithean  a  radh  agus  a  dheanamh  nach 
saoileadh  tu-  gu'n  abradh  no  gu'n  deanadh 
duine  rianail  air  bith. 

Thugadh  ainm  Greigis  air  a'  ghalair  so  a 
chionn  gu  bheil  dotairean  na  h-inntinn  'n 
an  daoine  seolta  agus  gur  maith  leo  ainm 
boidheach  a  thoirt  air  rud  q-rannda,  los  nach 
toir  iad  oilbheum  do'n  fheadhainn  air  a 
bheil  e. 

Ach  is  e  an  fhior  Ghaidhlig  air  neophobia, 
eagal  rnimh  nithean  ura,  no  grain  air  nithean 
ura.  Is  aithne  dhomh  gu  leoir  de  dhaoine 
ann  an  Cille-sgumain  air  a  bheil  neophobia 
gun  fhios  daibh  fein;  daoine  aig  a  bheil 
grain  uamhasach  air  gach  beachd  iir,  no 
teagasg  ur,  no  fasan  ur,  air  an  cluinn  iad 
iomradh,  agus  gun  reuspn  air  bith  aca  air  a 
sbon  sin  ach  gu  bheil  an  anshocair  iongantach 
so  'n  am  poraibh. 

A  cheud  uair  a  thugadh  buntata  do'n 
Ghaidhealtachd  bhris  neophobia   a  mach  am 


measg  an  t-sluaigh,  is  cha'n  itheadh  iad  cnap 
dlieth.  B'  fliearr  leo  am  fiabhrus  ;  bha  iad 
cleachdta  gu  leoir  ris  an  fhiabhrus  ach  cha 
robh  iad  cleachdta  ris  a'  bhuntata.  Shearmon- 
aich  ministearan  'n  a  aghaidh  anns  a' 
chiibaid,  ag  iarraidh  air  an  t-sluagh.  gun 
gnothuch  a  bhi  aca  ris,  direach  mar  a  shear- 
monaich  iad  ann  an  laithean  eile  an  aghaidh 
an  Declaratory  Act,  ag  iarraidh  orra 
seasamh  gu  daingean  an  aghaidh  an  uamhais 
iiir. 

B'e  an  argumaid  a  bha  aig  cuid  de  na 
ministearan  an  aghaidh  a'  bhuntata  nach 
robh  e  air  ainmeachadh  anns  a'  Bhiobull, 
agus  an  argumaid  a  bha  aig  cuid  eile  'n  a 
aghaidh  gur  e  am  butntata  am  meas 
toirmisgte  o'n  tainig  uile  thruaighean  an  t- 
saoghail.  Cha  b'  urrainn  iad  a  bhi  le  cheile 
ceart. 

An  uair  a  bha  speucalairean  air  an 
deanamh  an  toiseach  bha  a'  cheart  ghlaodh 
'n  an  aghaidh  's  a  bha  an  aghaidh  a' 
bhuntata.  Bha  a'  cheart  ghlaodh  an  aghaidh 
chloroform ;  ministearan  ag  radh  gu  robh  e 
an  aghaidh  nan  sigriobturan  chloroform  a 
thoirt  do  bhoirionnaich  air  leaba-shiiibhla  a 
chionn  gu  robh  am  facal  sgriobhta  ann  an 
Genesis,  an  doilgheas  beiridh  tu  clann;  ach  b' 
aithne  do  Shir  Seumas  Simpson  an  sgriobtur 
cho  mhaith  ris  na  ministearan  fhein  is  fhrea- 
gair  e  gu  robh  e  mar  an  ceudna  sgriobhta 
ann  an  Genesis  gu'n  tug  lebobhah  Dia  air 
cadal  trom  tuiteain  air  Adhamh  an  uair  a 
rinn  e  Eubh  a  te  d'a  aisnean.  An  ni  a  bha 
ann  is  e  sin  an  ni  a  tha  ann  f  athast ;  cha 
'n'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein.  Ciod  iad  na 
beachdan  no  na  fasain  a  tha  sinne  a' 
seasamh  'n  an  aghaidh  gu  danarra  an  diugh 
a  chionn  gu  bheil  neophobia  oirnn  gun  fhios 
duinn   fein? 


LAOIDH. 


Mo  laoidh  's  an  fheasgar  ann   ad  lath'r, 
Thigeadh,  a  Dhe,  mar  thiiis  ; 

Is  m'lirnuigh   eisd   air   sgath  do  mhic, 
Tha  tagradh  nis  mo  chins. 

Trid  cunnartan  an  la  gu  leir. 
Do  lamh  rinn  dhomhs'  an  t-iul ; 

'S  do  throcair  shaoibhir  thaisbean    thu, 
Is  m'  easbhuidh  chuir  air  chiil. 

Tiodhlacan   lionmhor   tha    do   lamh 

A'    dortadh  orm  gu    fial  ; 
Ach  0  cia  beag  a  thaisbean  mi 

De  thaing  air  ais,  A  Dhia  ! 

Ciod   e  a  rinn   mi  riamh  air  son 
All  ti  shaor  m'  anam  boohd  1 

ISTach  deanadh  cionta  uair  a  mhain 
Mo  thabhairt  slos  do'n  t-slochd ! 


Air     lO. 


1929. 


AN  GLIOCAS  A  THA  O'N  AIRDE. 

Ach  an  gliocas  a  tha  o'n  dirde  tha  e 
an  toiseach  glan,  an  sin  siochail,  ciuin,  so- 
chomhairleachaidh.  Litir  Choitchionn  an 
abstoil  Seumas,  iii,   17. 

Tha  na  briathran  aims  a  bheil  an  t-abstol 
Seumas  ag  innseadh  mu'n  ghliooas  a  tha  o'n 
airde  tlachdmhor  do'n  chluais  ag'us  maiseach, 
ach  fada  fada  na's  maisiche  na  na  briathran 
tha  an  rud  e  fein,  an  gliocas  a  tha  mar 
chraobh  na  beatha  dhaibhsan  a  ni  greim  air 
agus  a  ni  sona  iadsan  uile  a  ghleidheas  e. 

Gia  sona  'tz.  ti  do  theagasg  Dhe 
Bheir  eisdeachd  gach  aon  uair ; 
'S  ri  gliocas  neimh  Je  moran  tlachd, 
Thionmdas  gu  moch  a  chluas. 

Do'n  dg  'na  shlighe  neo-chiontaich, 
Solas  hheir  e  gu  pailt, 
'S  do'n  aosda  bheir  e  coron  gloir, 
'S  trdcair  o  Dhia  gun  aire. 

'  A  reir  teagasg  a'  Bhiobuill  cha  'n  ann 
anns  an  inntinn  a  tha  freumhan  a'  ghliooais 
ach  anns  a'  chridhe  ;  tha  an  gliocas  co-ionnan 
ri  eagal  Lehobhah,  agus  is  e  eagal  I©hobhah 
an  t-olc  fhuathachadh.  Mar  sin  is  e  an 
duine  maith  an  duine  glic,  a  reir  teagasg 
a'  Bhiobuill ;  an  duine  diadhaidh,  an  duine 
a  tha  'inntinn  fo  chumhachd  an  t-saoghail 
eile.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil  na  naoimh 
ag  iarraidh  air  daoine  gliocas  a  shireadh 
le'n  uile  chridhe  mar  gu'm  biodh  iad  a' 
sireadh  neamhnaidean  no  or. 

Anns  na  sailm  agus  ann  an  leabhar  nan 
Gnath-Fhacal  tha  iomadh  rud  maiseach  air 
a  radh  mu  Ghliocas  ach  tha  na  briathran  as 
maisiche  a  chaidh  a  sgriobhadh  uime  riamh 
air  an  sgriobhadh  ann  am  fear  de  leabh- 
raichean  an  Apocripha.  "  Is  mdthair  an 
Gliocas  do  ghaol  agus  do  eolas  agus  do 
dhochas  naomh.  Is  anail  i  de  chumhachd 
Dhe,  dileadh  glan  a  tha  tighinn  a  mach  o 
ghloir  an  Uile-chumhachdMich,  ,is  dealradh 
an  t-soluis  shiorruidh.  Is  sgdthan  gun 
smal  i  anns  am  faicear  cumhachd  Dhe  agus 
iomhaigh  a  mhaitheis :  anns  gach  linn 
ma  ni  i  comhnuidh  ann  an  daoine  naomh  ni 
i  cdirdean  do  Dhia  dhiubh  agus  faidhean. 
Tha  i  na's  maisiche  na  ghrian,  agus 
glbrmhor  os  cionn  nan  uile  reultan ;  ma 
choimeasar  ris  an  t-solus  i  tha  i  air  thoiseach 
air,  oir  muchaidh  an  oidhche  an  solus  ach 
cha  mhiich  aingidheachd  Gliocas." 

Tha  an  gliocas- a  tha  o'n  airde  glan.     Mar 


thubhairt  mi  cheana,  anns  a'  BhiobuU  tha  an 
duine  glic  co-ionnan  ris  an  duine  mhaith  no 
ris  an  duine  dhiadhaidh  air  chor  agus  gu'm 
faodar  briathran  an  abstoil  a  ghabhail  mar 
chomharran  a  tha  e  a'  toirt  seachad  air  duine 
diadhaidh  no  air  fior  Chriosduidh  anns  a 
bheil  Sipiorad  an  Tighearna.  Tha  e  glan  's 
glan  'na  chridhe  agus  glan  'na  chaitheamh- 
beatha.  Tha  a  cHoguis  cho  maoth  no  cho  geur 
a  thaobh  uile  ',s  gun  seachain  e  eadhon 
coslas  an  uilo ;  cuiridh  am  peacadh  crith 
air  a  chridhe  agus  air  fheol.  Theagamh 
nach  'eil  e  oomasach  do  na  daoine  as 
naioimhe  a  bhi  saor  agus  peacadh  uile  gu 
leir  oir  cho  fhad  's  a  bhios  iad  anns  an 
t-saoghal  so  bidh  an  lagh  a  tha  'n  am  buill 
a'  oogadh  an  agaidh  lagh  an  spioraid,  ach 
is  moid  a  dh'  fheumas  iad  air  an  aobhar  sin 
an  fheoil  a  chumail  fo  smachd  agus  a  bhi 
cho  cruaidh  orra  fein  air  son  pheaoanna 
diomhair  nach  fliaic  an  saoghal  's  a  bhith- 
eadh  iad  air  son  pheaoanna  foUaiseach  agus 
narach.  Ma  tha  iarrtus  no  dochas  ajrainn 
fantuinn  ann  an  co-chomunn  Dhe  cha  'n  e 
mhain  gu'm  feum  sin  uile  pheacanna  na  feola 
a  chur  bhuainn  ach  peacanna  na  h-inntinn 
mar  an  ceudna  ;  gach  droch  smuain  is  gach 
droch  run,  fuath  is  farmad  is  uabhar,  agus 
gach  rud  eile  nach  cord  ri  Spiorad  Dhe,  an 
spiorad  grlan  leis  an  fhearr  an  cridhe  naomi-i 
na  gach  teampull  oirdhearc  a  thogadh  riamh 

Co  theid  suas  do  bheinn  lehobhah?  ars'  an 
Salmadair.  Esan     aig    a     bheil     Idmhan 

neochiontach   agus   cridhe  glan. 

Is  beannaichte  iadsan  a  tha  glan  'nan 
cridhe,  tha  Criosd  ag  radh,  oir  chi  iad  Dia. 

NaomJiachd,  ars'  an  t-abstol,  as  eugmhais 
nach  fhaic  ^duine  air  bith  Dia. 

Tha  an  gliocas  a  tha  o'n  airde  an  toiseach 
glan,  a.n  sin  siochail.  Cha  choir  do  isheirbhis- 
eaoh  an  Tighearna  a  bhi  aimhreiteach  no 
oonnspoideach,  ach  iriosal  is  macanta  mar  bha 
a.  Mhaighstir.  Ann  an  laithean  nan  abstol  bha 
daoine  oeann-laidir  is  iorghuilleach  anns  an 
eaglais  mar  tha  innte  an  diugh  fhathast ; 
daoine  a  bha  an  duil  gu  robh  iadsan  na  bu 
ghlice  na'm  braithrean  agus  a  bha  feuchainn 
ri  an  todl  fein  agus  an  doighean  fein  a 
choiteachadh  air  daoine  eile  a  dheoin  no  dh' 
aindeoin  ;  daoine  aig  an  robh  farmad  searbh 
'n  an  cridhe  agus  connspoid,  mar  tha  Seumas 
ag  radh.  Theireadh  an  t-abstol  ris  na  daoine 
sin  gu'm  b'  fhearr  daibh  gu  mor  sith  na  h- 
eaglais  a  ghleidheadh  seach  an  toil  fein 
fhaotainn.     An  uair  a  thig  stri  no  connspoid 


38 


a  steacli  air  an  dorus  theid  spiorad  Chi'iosd  a 
mach  air  an  uinneig,  oir  ciod  an  coidadh  a 
tha  aig  Prionnsa  na  sithe  ri  spiorad  na  h- 
aimhreite.  Is  mor  a'  bheannachd  sith  ;  sith 
ann  an  teaghlach,  sith  ann  am  baile,  is  sith 
anns  an  eaglais ;  is  ciod  air  bith  a  ni  daoine 
neo-dhiadhaidh  bu  choir  do  shluagh  an 
Tighearna  co-dhiu  eiseimpleir  mhaith  a 
thoirt  do'n  fc-saoghal  anns  a'  cheum  so. 

Leanaihh  sith  ris  na  h-uile  dhaoine,  tha 
Pol  ag  radh.  Is  heannaichte  luchd-deanamh 
na  sithe,  tha  Criosd  ag  radh,  oir  goirear 
clann  Dhe  dhiuhh. 

Tha  an  gliocas  a  tha  o'n  airde  an  toiseach 
glan,  an  sin  siochail,  ciiiin  agus  so-chomhair- 
leachaidh.  Sin  da  chomharradh  eile  a  tha 
an  t-abstol  a'  toirt  air  an  duine  dhiadhaidh 
aig  a  bheil  an  gliooas  a  tha  o  shuas,  tha  e 
ciiiin  agus  furasda  cur  suas  leis.  Bhiodh 
Criosduidhean  eu-ooitach  ri  am  Maighstir 
mur  t)iodh  iad  ciiiin  agus  macanta,  oir  bha 
esan  ciiiin  is  cha  togadh  e  a  ghuth  anns  na 
sraidibh.  Ged  nach  'eil  a  leithid  de  fhacal 
agUs  so-chomhairleachaidh  an  Gaidhlig  tha 
e  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn  oiod  a  tha 
e  a'  ciallachadh  ;  tha  e  a'  ciallachadh  duine 
a  tha  reusonta  ;  duine  nach  'eil  rag-mhuin- 
ealach,  duine  a  tha  furasda  oibreachadh  leis. 
Bha  daoine  dannarra  anns  an  eaglais  abstol- 
ach  mar  tha  iad  anns  an  eaglais  an  diugh 
fhathast ;  daoine  nach  robh  furasda  a  bhi 
suas  riu  ;  daoine  a  ghabhadh  saoibhneas  mur 
faigheadh  iad  an  toil  agus  an  doigh  fein. 

Cha' n' eil  an  seorsa  dhaoine  sin  ri  am 
moladh  ;  tha  e  'na  f hailing  bhochd  ann  an 
duine  air  bith  agus  'n  a  dhroch  chomharradh 
a;ir  niur'urrainn  e  oibreachadh  le  daoine  eile 
gu  reidh  ciallach,  ged  nach  fhaigheadh  e  a 
rathad  no  a  thoil  fein  daonnan. 

*  4:  4:  « 

Ach  bithibh-se,  a  bhrdithre,  'n  'ur  luchd- 
deanaimh  an  fhacail,  agus  cha^n  ann  'n  'ur 
luchd-eisdeachd  a  mhain.  Tha  a'  bheatha 
dhiadhaidh  ard  agus  duilich ;  ma  bu  mhaith 
leinn  Criosd  a  leantuinn  feumaidh  sinn  ar 
ciimhnant  ath-nuadhachadh  ri  Dia  a  h-uile 
maduinn  agus  boidean  a  chur  oirnn  fein  gu'm 
bi  sinn  umhail  d'a  reachd;  glan  'n  ar  cridh- 
eaohan,  siochail,  caomh,  trocaireach.  Mur 
bi  gaol  againn  air  na  nithean  sin  cha  ruig 
sinn  a  leas  diiil  a  bhi  againn  gu  bheil  sinn 
a'  fas  ann  an  gliooas  agus  ann  an  gras  agus 
ann  an  eolas  air  ar  Tighearna. 

Co  tha  na  dhuine  glic  agus  tuigseach  'n 
'ur  measg?  nochdadh  e  le  dheagh  chaitheamh- 
Beatha  oibre  fein  ann  am  macantas  gliocais. 


AN  TAIRBEART. 


Tha  Tairbeart  Chinn-tire  ainmeil  air  son 
rud  no  dha  ach  tha  e  ainmeil  air  a  shon  so 


gu  sonraichte,  gu  robh  fichead  niinistear  ann 
an  taobh  a  stigh  de  cheud  bliadhna.  Ged 
bha  e  furasda  do  mhuinntir  an  Tairbeairt 
ministear  fhaotainn  cha  robh  e  furasda 
dhaibh  an  cumail ;  b'e  coig  bliadhna  an  iiine 
a  bha  iad  a'  fuireach  ann  le  an  gabhail  thar 
a  cheile.  Cha'n  aithne  dhomh  sgireachd  eile 
anns  a'  Ghaidhealtachd  anns  an  robh  uiread 
mhinistearan  ri  mo  chuimhne  fein. 

TOMAS   DEIBHIOSDAN   (1829-36) 

Chaidh  an  Deibhiosdanach  do  Chill 
Mhaillidh  an  deidh  dha  an  Tairbeart  fhagail ; 
is  ann  an  1843  chaidh  e  mach  leis  an  eaglais 
Shaoir.      Chaochail  e  an  1871. 

CAILEAN  CAIMBEUL  (1836-43). 

Dh'  fhag  e  an  Tairbeart  a  dhol  do  Chill 
Bhlathain  an  Cinn-tire ;  a  Cill-Bhlathain 
chaidh  e  do  Chill  Bhrighde  an  Arainn  far  an 
do  chaochail  e  an  1882.  Bha  mao  dha  'na 
mhinistear  an  Crathaidh. 

SEUMAS  R.  CAIMBEUL  (1843-44). 

Cha  d'  fhan  e  bliadhna  anns  an  Tairbeart : 
chaidh  e  do  Chill  Chalmain-Eala  an  1844  is 
chaochail  e  an  sin  an  1878.  Bha  triuir  mhao 
dha  anns  a'  mhinistrealachd ;  Seumiasi  an 
Troqueer  ;  Alasdair  an  Kirkcudbright ;  is 
Uilleam  an  Cargill  am  Peairt.  Tha  Uilleam 
beo  fhathast  ach  cha  'n  'eil  e  an  comas 
searmoaiachaidh  a  nis.  Bha  dithis  pbeath- 
raichean  a'  fuireach  leis  ach  chaochail  te 
dhiubh  an  la  roimhe.  An  uair  a  bha 
Uilleam  Caimbeul  an  Oil-thigh  Ghlaschu  oha 
robh  sgoilear  Greigis  cho  mhaith  ris  an 
Ghlaschu.  Bha    e    anabarrach   maith    air 

Mathematics  ouideachd.  Is  e  an  diugh  athair, 
no  dh'  fhaodainn  a  radh,  seanair  na  Cleire 
an  Dun-chailleann. 

ALASDAIR  DOMHNULLACH  (1845-47). 

MUNGO  MACPHARLAIN  (1849-50). 

DONNACHA  MAC  CEALLAIR  (1853-58). 

Chaidh  e  do  Chreagnis  an  deidh  dha  bhi 
's  an  Tairbeart  ach  chaochail  e  an  ceann  da 
bhliadhna. 

IAIN  B.  MAC  COINNICH  (1858-61). 

Tha  ouimhne  agam  air  Iain  Mao  Coinnich 
gu  maith,  duine  glic  grunndail  nach  robh 
'na  shearmonaiche  mor  ach  a  bha  barraichte 
maith  air  seanchas  is  tarruing  dhealbh,  is 
aig  an  robh  moran  eolais  air  obair  a'  chruth 
achaidh  agus  air  beul-aithri^  nan  Gaidheal. 
Rugadh  e  ann  a  Hiort,  agus  ma's  maith  mo 
chuimhne,  chunnaic  e  an  t-Ollamh  mor  mor, 
Domhnullach  na  Toiseachd,  ann  a  Hiort,  a' 
seideadh   teine  moine   le   bheul    agus  e   fein 


39 


agus  duine  eile  a'  feuchainn  ri  coire  a  ghoil 
a  dheanamh  toddi.  As  an  Tairbeart  cliaidh 
e  do  Cholasa ;  a  Colasa  chaidh  e  do'n 
Cheanmiiliof  am  Peaiit. 

IAIN   G.    LEVACK   (1862-64). 

B'e  an  Tairbeart  a'  cheud  aite  anns  an 
do  shuidhicheadh  e  ach  cha  d'  fhan  e  ann 
ach  da  bhliadhna  ;  ohaidh  e  do  sgire  Shadaill 
agus  Sgiobnis  far  an  do  shaothraich  e  gii 
1906.  Tha   mao   dha    'n   a   mhinistir   an 

Ghlaschu. 

SEUMAS  FRISEAL,  M.A.  (1864-67). 

Bha  Seumas  Friseal  tri  bliadhna  anns  an 
Tairbeart ;  as  an  Tairbeart  chaidh  e  do 
Inbhir-pheofharan ;  a  Inbhir-pheofharan 
chaidh  e  do  Lagan  Mo-Choid  am  Peairt ;  is 
as  an  Lagan  chaidh  e  do  Bhlar  an  Adholl. 
Chaochail  e  an  1914.  Bha  a  dha  mhao  'n 
am  ministearan  ach  shiiibhail  am  fear  a  bu 
shine  dhiubh  roimh  athair  ;  tha  am  fear  eile 
ann  an  sgireachd  aig  a'  chrich  Shasunnaich. 
Sin  aon  cheum  anns  a  bheil  dealachadh  mor 
eadar  na  seann  mhinistearan  agus  minis- 
tearan an  la  diugh  ;  bha  na  seann  mhinis- 
tearan am  bitheantas  a'  toirt  fear  no  dha 
d'am  mic  do  sheirbhis  na  h-eaglais  ach  is 
ann  gle  annamh  a  nis  a  leanas  clann  ministir 
dreuohd  an  athar.  Bha  Seumas  Friseal  'n 
a  dhuine  eireaehdail  'na  phearsa  ;  deas  'n  a 
chainnt,  agus  'na  shearmonaiche  maith  an 
laithean  oige. 

RAIBEART  BLAR,   D.D.  (1867-69). 

Chaidh  an  t-Ollamh  Eaibeart  Blar  do 
eaglais  Chalum-chille  an  Glaisohu  as  an 
Tairbeart;  cha  d'  fhan  e  ann  ach  bliadhna 
is  ochd  miosan  air  fad.  Tha  cuimhne  cho 
mhaith  aig  ar  luchd-leughaidh  air  Raibeart 
Blar,  agus  air  an  t-seorsa  duine  a  bha  ann, 
's  naoh  ruig  raise  a  leas  an  tuilleadh 
iomraidh  a  dheanamh  air  air  an  duilleig  so. 
Cha  robh  ministir  riamh  an  eaglais  Chalum- 
cille  d'an  tug  Gaidheil  Ghlaschu  an  t-urrani 
agus  an  gaol  a  thug  iad  dha.  Chuireadh 
na  h-Ilich  air  thoiseach  air  Pol  e.  Tha  a' 
bhantrach  aige  beo  fhathast ;  is  i  a  tha 
deasachadh  Tim  an  Ohain. 

EOGHAN  MAC  LACHLAINN  (1869-74). 

As  an  Tairbeart  chaidh  e  do  Aird-chattain 
far  an  do  shaothraich  e  gus  an  do  ohaochail 
e  an   1903.  Cha'n  fhaca  mi  Eoghan  Mac 

Lachlainnn  riamh.  Bha  e  posda  da  uair  ; 
an  dara  uair  ri  te  de  nigheanan  an  Ollaimh 
Iain  Mac  an  t-Saoir,  a  bha  'n  a  mhinistir 
an  Cill  Mo-Naomhaig  an  Loch-Abar  ;  duine 
aig  an  robh  moran  de  eolas  mu  sheann  nithean 


nach  gabh  faotainn  an  diugh.  Bha  e  'na 
sgoilear  maith  Gaidhlig,  is  fhuair  an  t-Ollamh 
Alasdair  Stiubhard  (Nether  Lochaber  mar 
theireadh  e  ris  fhein)  iomadh  treathlaich 
bhuaith  a  bhiodh  e  a'  cur  anns  na  paipearan 
a  sgriobh  e. 

RUAIRIDH   MOIRE.ASDAN   (1874-78). 

Bha  e  anns  an  eilein  Sgitheanach  m'  an 
deachaidh  e  do'n  Tairbeart;  dh'  fhag  e  an 
Tairbeart  a  dhol  do  Cheann-t-Saile.  Cha'n 
fhao  mi  riamh  e,  is  cha'n'eil  de  eolas  agam 
air  ach  gu  bheil  fhios  agam  gu'n  do  rinn 
an  t-Ollamh  Lachlainn  Mac  lUeathain  Watt 
oran  dha  fhein  agus  do  chleir  Loch  Carainn. 

IAIN  P.  CAIMBEUL  (1878-80). 

Coltach  ri  Raibeart  Blar  cha  d'  fhan  Iain 
Caimbeul  ach  beagan  is  bliadhna  gu  leth  anns 
an  Tairbeart ;  chaidh  e  do  sgire  Urchadain 
diuth  do  Inbhir-nis,  far  an  do  chaochail  e  an 
1902.  Rugadh  e  an  eilein  I  is  tha  e  air 
a  thiodhlacadh  an  I.  Cha'n  fhaca  mi  riamh 
e,  ach  tha  fhios  agam  gu  maith  an  seorsa 
duine  a  bha  ann  oir  is  mi  a  chaidh  do 
Urchadain  'na  dheidh.  Bha  e  cas  is  teth 
'n  a  nadur,  cho  deas  gu  dol  air  theine  ris 
an  fhiidar  fhein,  ach  'na  mhinistir  dileas 
agus  soisgeulach  air  an  robh  meas  mor  aig 
a  choimhthional. 

IAIN  MAC  ILLEATHAIN,  D.D.  (1880-88). 

Dh'  fhag  e  Cill-Chommain  an  He  a  dhol  do'n 
Tairbeart  is  chaidh  e  as  an  Tairbeart  do 
eaglais  Chalum-chille  an  Glaschu.  Cha  robh 
sgoilear  anns  an  eaglais  'n  a  latha  a  b'  fhearr 
na  Iain  Mac  Illeathain.  Bha  e  cho  mhaith 
's  gu'm  biodh  e  a'  bruadar  air  na  Phairisich 
ann  an  Eabhra.  Ach  chaidh  an  sgoilearachd 
sin  uile  do'n  uaigh  comhla  ris;  oha  do 
sgriobh  e  dad  riamh.  Cha  robh  e  riamh  'n 
a  shearmonaiche  maith  ;  bha  barrachd  de'n 
fheallsanachd  ann  na  bha  ann  de'n  t-.soisgeul, 
ach  anns  a'  Bhio'buU  Ghaidhlig  a  cheartaich 
e  dh'  fhag  e  cuimhneachan  air  fhein  a 
mliaireas  gu  brath.  Mar  is  mo  a  tha  m' 
eolas  air  an  leabhar  so  a'  fas  is  ann  is  motha 
mo  mheas  air  sgoilearachd  Mhic  Illeathain. 

DONNACHA  ROBASDAN,  D.D.  (1889-96). 

Chaidh  e  a  Arasaig  do'n  Tairbeart  ;  as  an 
Tairbeart  do  Luss  ri  taobh  Loch  Laoiminn ; 
a  Luss  do  Obar  Neithioh  an  Srath  Speith. 
Leig  e  dheth  curam  coimhthionail  o  chionn 
sheachd  bliadhna,  no  mar  sin,  ach  bidh  e 
fhathast  a'  searmonachadh,  agus  bha  e  am 
•bliadhna  agus  bho  chionn  bliadhnaichan  air 
ais  a'  searmonachadh  an  Si-ath  Tatha  fad  an 
t-samhraidh,       Rugadh  Donnacha  Robasdan 


40 


an  Srath  Teamhuil,  an  Adholl,  ach  cha'n 
fhaod  mi  dad  a  radh  uime  air  an  duilleig 
so,  no  niu'n  fheadhainn  eile  a  bha  'n  a  dheidh 
anns  an  Tairbeart,  oir  tha  iad  uile  beo 
fhathast  is  cha  mhaith  learn,  teas  a  chur  'n 
an  cluasan,   deas  no  cli. 

IAIN  M.  MUNRO,  M.A.   (1897-1905). 

Bha  ©  'n  a  fhear-cuideacliaidh  aig  Iain 
Mac  Illeathain  an  eaglais  Chalum-ohille  an 
Glaschu ;  a  Glaschu  chaidh  e  do'n  Innis  an 
Srath  Speithe ;  a  Srath  Speithe  chaidh  e  do 
Cheann  Loch ;  a  Ceann  Loch  chaidh  e 
do  Dhiin-eideann ;  a  Dun-eideann  thainig  e 
air  ais  do  eaglais  Chalum-chille  air  ghaol  a' 
Ghaidhlig  a  chumail  suas  agus  a  mhinis- 
trealachd  a  choimhlionadh  am  measg'  nan 
Gaidheal.  Ach  bha  an  t-uallach  ro  throm,  is 
bhris  air  a  shlainte,  is  dh'  fhag  e  Glaschu 
an  uiridh  a  dhol  do  Chill  Mhartainn  far  a 
bheil  e  a  nis. 

TOMAS  MAC-A-PHEARSAIN   (1906-9). 

B'e  eaglais  Chalum-chille  a'  cheud  aite 
anns  an  do  thoisich  e,  'n  a  fhear-cuideachaidh 
aig  an  Dotair  Mac  lUeathain ;  as  a  sin 
chaidh  e  do  Thiriodh ;  a  Tiriodh  chaidh  e 
do'n  Tairbeart;  as  an  Tairbeart  chaidh  e 
do  Yoker  ;  -a  Yoker  chaidh  e  do  eaglais  air 
Sraid  an  Naoimh  Vincent  an  Glaschu ;  a 
Glaschu  chaidh  e  do'n  eaglais  Ghaidhlig  an 
Ceann  Loch. 

ALASDAIR  MAC  ILLEATHAIN,  B.D.  (1910-13). 

Shuidhicheadh  e  anns  an  Tairbeart  air 
1910;  tri  bliadhna  'n  a  dheidh  sin  chaidh 
e  do  Shettleston  an  Glaschu ;  as  a  sin  chaidh 
e  do  sgir  Dheibhidh  an  Inbhir-nis  an  1922. 

DOMHNULL  MAC-AN-TOISICH  LOGAN 
(1914-27). 

Sgitheanach  as  an  Atha  Leathann  ;  shuidh- 
icheadh e  anns  an  Tairbeart  a'  bhliadhna 
a  thoisich  an  cogadh ;  dh'  fhan  e  ann  na  b' 
fhaide  na  dh'  fhan  gin  de  na  bha  ann  roimhe, 
ach  dh'  fhag  e  an  Tairbeart  is  chaidh  e  do 
Arasaig  an  1927. 

IAIN   MAC   DHOMHNUILL  MAC  GILLIOSA 
M.A.  (1927—). 

Fear  a  mhuinntir  Bhaideanach ;  shuidh- 
icheadh e  ann  am  Morrlaioh  an  cleir  Dhun- 
chailleann  an  1925  ;  an  1927  chaidh  e  do'n 
Tairbeart  is  tha  e  an  sin  a  nis. 


Tha  da  ni  a  dh'  fhaodar  a  thogail  as  an 
naijjheaohd  so  air  ministearan  an  Tairbeart, 
a  thuilleadh  air  gu  robh  iad  lionmhor 
(1)  gu'm  bu  toigh  le  muinntir  an  Tairbeart 


ministearan  oga,  agus  (2)  gu  robh  suil  mhaith 
is  cluas  mhaith  aca  gus  feadhainn  gheall- 
tanach  a  thaghadh.  "Fhuair  triuir  dhiubh 
D.D..  is  bha  iad  oha  mhor  uile  os  cionn  a' 
chumantais.  Tha  sia  ministearan  a  lathair 
an  diugh,  agus  a'  searmonaohadh,  a  bha 
anns  an  Tairbeart. 

B'e  Seumas  Friseal  a'  cheud  fhear  a  chaidh 
do'n  Tairbeart  an  deidh  do'n  eaglais  a  bhi 
air  a  deanamh  'n  a  h-eaglais  sgireachd.  Bha 
an  Tairbeart  air  a  ghearradh  air  falbh  o 
Chill  Chalmain-Eala  agus  o  Chnapadal  a  Deas  j 
anns  a'   bhliadhna    1864. 


AN  EAGLAIS  FHOSGAILTE. 

Bho  chionn  ghoirid  thug  mo  ghnothuch  no 
mo  thoil  cothrom  dhomh  air  del  gu  vseachd 
no  ochd  de  eaglaisean  air  feadh  na  Gaidheal- 
tachd  air  la  seachduinn,  ach  a  mach  o  aon 
eaglais  Phapanaich  an  Gleann  Fionnain, 
laimh  ri  Loch-Seile,  cha  robh  an  dorus  aig 
gin  dhiubh  fosgailte.  Bha  iad  uile  duinte, 
air  an  glasadh  le  crann  no  le  padlock. 

Ach  bha  dorsan  na  h-eaglais  Phapanaich 
fosgailte.  Cha  robh  duine  ri  fhaicinn  innte 
a  bha  gabhail  ciiram  dhith,  ach  bha  gach 
ni  a  bhuineadh  do'n  aoradh  cho  grinn  ordail 
's  ged  bhiodh  bean-tighe  a'  sealltuinn  as  an 
deidh.  Bha  fluraichean  boidheach  air  an 
cur  aig  bonn  nan  dealbhan  a  bha  air  na 
ballachan,  agus  fluraichean  boidheach  eile 
air  an  cur  air  an  alltair  naomh. 

Le  sealltuinn  air  an  diithaich  mu'n  cuairt 
theireadh  tu  nach  robh  de  dhaoine  mar  astar 
tri  mile  do'n  eaglais  na  lionadh  da  shuidh- 
eachan  ;  theireadh  tu  nach  robh  de  dhaoine 
ann  na  b'urrainn  eaglais  daibh  fein  a  chumail 
suas,  aoh  c6  air  bith  a  tha  'g  a  cumail  suas 
tha  an  eaglais  anga  a  sid,  eaglais  mhaiseach 
le  doirsan  fosgailte  agus  i  mar  gu'm  biodh 
i  a'  toirt  cuiridh  do'n  luchd-turuis  a  bhios 
a  dol  seachad  stad  beag  a  dbeanamh  agus 
dol  a  steach  a  dh'  urnuigh. 

Chaidh  mise  a  steach  do'n  eaglais  agus 
shuidh  mi  leam  fhein  innte  ceathramh  na 
h-uaire.  An  uair  a  tha  eaglais  maiseach 
agus  a  dhuisgeas  i  ann  an  inntinn  duine  na 
smuaintean  agus  na  faireachduinnean  a  bu 
choir  do  eaglais  dusgadh  ann  ad  inntinn,  tha 
e  gu  bitheanta  na's  buannachdaile  dhuit 
suidhe  leat  fein  gu  samhach  innte  na  bhi  ag 
eisdeachd  ri  duine  a'  searmonachadh  anns  a' 
ohubaid.  Tha  e  maith  do  dhuine  dol  a  steach 
leis  fein  do  eaglais  air  la  seachduinn,  agus 
na's  fhearr  air  fad  a  ghlun  a  lubadh  agus 
urnuigh  a  dheanamh. 

Cha'n'eil  e  am  fabhar  na  diadhaidheachd 
gu  bheil  eaglaisean  Prostanach  cho  grannda 
's  a  tha  iad  agus  gu  bheil  an  dorsan  air  an 
cumail   duinte. 


Air     11. 


1929. 


EAGLAIS  NA  H-ALBA. 

18^3. 

Car  son  nach  hiodh  mo  ghnuis  duhhach 
agus  mo  spier  ad  tram  agu^  eaglais  m' 
aithrichean  air  a'  fdsachadh  agus  a  haUachan 
air  am  hriseadh  slos  1 

*  *  *  -X- 

1853—1929. 

Eireamaid  agus  togamaid  a.  hallachan  : 
agu)s  chaidh  iad  uile  an  comh-  bhoinn,  agus 
thog  iad  na  hallachan  as  itr,  agus  an  uair  a 
chunnaic  ar  naimhdean  agus  na  cinnich  e, 
dh'  aithnich  iad  gu'in  6'  aiin  Je  ar  Dia-ne  a 
rinneadh  an  ohair  so. 

•X-  *•  *  -^t 

1929. 

Eirich,  dealraich ;  oir  thdinig  do  sholus, 
agus  tha  gloir  lehohhah  air  eirigh  art.  Tog 
suas  do  shuilean  mu'n  cuairt,  agus  faic,  tha 
do  mhic  agus  do  nigheanan  air  teachd  a'd' 
ionnsuidh ;  tha  iad  uile  air  an  cruinneachadh 
ri  cheile,  agus  their  thu  Sldinte.  mar  ainm  ri 
d'  hhallachan,  agus  Moladh  ri  d'  gheatachan. 

■Jt  *  *  * 

Slor  ghuidhihh   do  lerusalem 

Slth  thdimh  is  sonas  m&r  : 

A'  mhuinntir  siri  le'n  ion-nihuinn  thu 

SoirhhichidJi  iad  gu  leor. 

An  taohh  a  stigh  do  d'  hhallaibh  fein 
BiodJi  sith  is  sonas  maith ; 
Beadh=shoirhheas  fds  gu,  rohh  gu  hrdth 
A'd'  hlchairt  dird  a  stigh. 

Air    sgdth     mo     hhrdithrean    's     luchd     mo 

ghaoil 
Dhuit  guidhearn  sith  do  ghndth, 
Air  sgath  tigh  naomh  ar  Tighearna  Dia 
larram  do  leas  gu  hrdth. 


FEIN-EOLAS. 

Rannsaich  md,  a  Dhe,  agus  aithnich  mo 
chridhe  :  dearhh  mi  agus  aithmch  mo  smuain- 
tean.  Agus  amhairc  a  hheil  slighe  doilgheis 
air  hith  annam,  agu^  tredraich  mi  anns  an 
t-slighe  shiorruidh-     Salm,  cxxxix,  23,  24. 

So  urnuigh  a  tha  a  freagarrach  dhuinn  a 
dheanamh  a    h-uile  latha,   gu'n   tugadh   Dia 


dhuinn  eolas  ceart  aii'  ar  cridheachan  fein. 
Cha  ruig  Dia  a  leas  ar  cridheachan  a 
rannsachadh  a  dh'  fheuchainn  s  bheil  eucoir 
no  droch  smuain  annta,  oir  tha  fhios  aig 
Dia  air  sin  cheana.  Is  aithne  dha  ar  suidlie 
agus  ar  n-eirigh  agus  tha  e  fiosrach  air  ar 
slighean  uile.  Is  aithne  dha  ruintean 
diomhair  ar  cridhe;  cha'n  urrainn  sinn  dad 
fholach  o  shuilean. 

Tha  an  iirnuigh  so  a'  guidha  gu'n  tugadh 
Dia  a  leithid  de  eolas  dhuinn  oirnn  fein  's 
gu'm  faic  sinn  sinn  fein  mar  tha  esan  'g  ar 
faicinn,  ann  an  solus  glan  a  ghnuise,  solus 
anns  nach  'eil  e  comasach  do  dhuine  e  fein 
a  mhealladh.  Is  bochd  do  dhuine  a  bhi  'g  a 
mhealladh  fein  ;  is  bochd  do  dhuine  a  bhi  mar 
mhuinntir  Laodicea  m'an  dubhairt  an 
Tighearna,  Tha  mi  heairteach,  agus  fhuair 
mi  saoihhreas,  agus  cha'n' cil  f/um  agam  air 
ni  air  hith  ;  agm  gun  fhios  agad  gur  tu  an 
t=aon  truagh,  agus  hochd,  agus  dall,  agus 
lomnochd. 

^  Thug  Dia  fhacal  dhuinn  (1)  a  chum 
eolas  fhaotainn  air  fein  agus  (2)  a  chum 
eolas  fhaotainn  oirnn  fein,  agus  tha  an  da 
sheorsa  eolais  sin  a'  dol  comhla  daonnan. 
Mar  is  mo  a  dh'  fhasas  ar  n-e61a,g  air  Dia  is 
ann  as  fhearr  a  thuigeas  sinn  ar  cridheachan 
fein    agus    gach    gluasad    a    tha    annta    gu 


Agus  mar   is  fhearr    as 


maith  no  gu   olc. 

aithne  dhuinn  ar  cridheachan  fein  is  ann  as 

mo   a   tha    iarraidh   againn   air    Dia.         Tha 

ar   n-eolas   air   Dia    a'    fas   ann   a    bhi    'g   a 

iarraidh. 

Thubhairt  aon  duine  glic  gur  e  eagal  an 
Tighearna  tus  a'  ghliocais,  ach  thubhairt 
duine  eile  gur  e  fein-eolas  tus  a'  ghliocais. 
Bha  iad  le  cheile  ceart.  Gun  fein-eolas  cha 
teid  duine  fad  air  aghaidh  ann  an  gliocas 
spioradail  no  ann  an  naomhachd.  Gus  am 
faic  sinn  cho  graineil  's  a  tha  ar  peacaidhean 
an  lathair  an  De  naoimh  cha'ii  iarr  sinn  ar 
peacaidhean  a  threigsinn  is  cha'n  eirich 
bron  diadhaidh  'n  ar  cridheachan.  Bu 
choir  dhuinn,  ma  ta,  an  iirnuigh  so  a  bhi  'n 
ar  cridhe  agus  air  ar  bilean  a  ghnath, 
Rannsaich  mi,  a  Dhe,  agus  aithnich  mo 
chridhe,  is  thoir  dhomh  eolas  air  mo  lochdan. 

Clia  bu  choir  dhuinn  a  bhi  toilichte  le  bhi 
ag  radh  ann  an  cainnt  shalmadairean  no  ann 
an  cainnt  a'  Bhiobuill  gur  peacaich  s^inn. 
Faodaidh  daoine  a  radh  anns  an  eaglais  agus 
aig  aoradh  teaghlaich,  o  hhonn  ar  coise  gu 
ruig  ar  ceann,  cha'n'eil  fallaineachd 
annainn  ;  ach  lot,  agus  hrnthadh  agus  creuchd 


42 


a  Uonnachadh,  agus  gun  faireachadh  air  bith 
aca  ciod  a  tha  iad  ag  radh,  no  uollach  air  bith 
a  bhi  air  an  coguis.  Feumaidh  sinn  ar 
meur  a  chur  air  ar  peacadli  aguis  a  radh 
ruinn  fein,  air  an  Id  ud  agus  amis  an  aite 
ud  rinn  mi  an  gniomh  peacach  ud  ('ga 
ainmeachadh)  no  dh'  innis  mi  a'  hhreug  ud, 
no  pheacaich  m,i  an  aghaidh  mo  choimhears- 
naich.  Feumaidh  sinn  ar  n-aidmheil  a 
dheanamh  cho  soilleir  agus  cho  pearsonta  's 
nach  bi  cothrom  againn  sinn  fein  a  mhealladh 
no  sinn  fein  fhireanachadh.  Gun  ainm  a 
chuT  air  ar  peacadh  cha'n'eil  feum  air  bith 
ann  an  fein-cheasnachadh ;  bidh  sinn  mar 
dhaoine  a  thug  siiil  orra  fein  anns  a'  ghloine 
ach  air  ball  a  dhichuimhnich  co  ris  a  bha  iad 
coltach. 

Rannsaich  mi,  a  Dhe,  agus  aithnich  mo 
chridhe.  Cha'n'eil  a  bheag  de  fheum  ann 
dhuinn  an  urnuigh  so  a  chur  an  lathair  Dhe 
mur  bheil  sinn  a'  leughadh  fhacail  oir  is  ann 
le  fhacal  a  tha  Dia  mar  is  trice  a'  dearbhadh 
am  peacaidhean  air  daoine.  Cha'n'eil 
sgriobhaidhean  eile  anns  an  t-saoghal  coltach 
ris  na  sgriobhaidhean  a  tha  againn  anns  a' 
Bhiobull.  Tha  buiaidh  aca  air  cridhe  is 
coguis  mhic  an  cluine  nach  gabh  inuseadh. 
Fosglaidh  sinn  am  Biobidl  air  uairean  agus 
gun  diiil  againn  ach  gu  bheil  sinn  a'  dol  a 
leughadh  mu  Phol  no  mu  Bhainabas  no  mu 
aon  de  na  faidhean,  ach  m'an  teid  sinn  fad 
air  ar  n-aghaidh,  tha  Pol  is  Barnabas  a'  dol 
as  an  t-sealladh  is  tha  Facal  an  Tighearna  a' 
lahhairt  ruinn.  Tha  am  Facal  a'  leum  a 
mach  as  an  duilleig  agus  a  dol  £  s,teach  'n  ar 
cridhe  mar  gu'm  biodh  bior  no  saighead 
geur.  Tha  fianuis  lehobhah  cinnteach,  a' 
soillseachadh  nan  sul. 


ANNS  A  CHATHAIR. 

An  diugh  thug  am  posta  thugam  dorlach 
phaipearan  a  tha  tighinn  thugam  a  h-uile 
bliadhna,  ag  iarraidh  orm  cuimhne  a 
chumail  air  an  la  a  sguir  an  cogadh.  Tha 
na  ceart  phaipearan  air  an  cur  a  dh' 
ionnsuidh  a  h-uile  ministear  anns  an  duth- 
aich  mu'n  am  so  de'n  bhliadhna,  ag 
earalachadh  orra.  labhairt  ris  an  t-sluagh  mu 
nithean  sonraichte  a  tha  air  an  ainmeachadh  ; 
gaisgealachd  nan  gillean  oga  a  choisinn  a' 
bhuaidh  dhuinn ;  dleasdanas  dhaoine  an 
diithaich  a  sheasamh  an  uair  a  bhios  feum 
aig  an  duthaich  orra ;  agus  dleasdanas 
dhaoine  cuideachadh  a  thoirt  do  na 
saighdearan  agus  d'an  teaghlaichean  a  tha 
fulang  air  taillibh  a'    chogaidh. 

Tha  sin  uile  ceart;  tha  e  ceart  gu'm  biodh 


lM=Culinhii('  air  a  chumail  gu  soluimte  air 
feadh  na  rioghachd,  is  tha  mise  a'  deanamh 
sin  'n  am  eaglais  fein  daonnun.  Ach  tha 
rud  no  dha  'n  am  inntinn  a  thaobh  an  la 
sin  a  bu  mhaith  learn  a  thoirt  am  follais  air 
an  duilleig  so,  an  dochas  gu'n  smuainich  ar 
luchd-leughaidh  orra  gu  reidh  ciallach,  co 
dhiu  a  chordas  iad  riu  no  nach  cord. 

Mar  mhinistear  ann  an  eaglais  Chriosd 
tha  e  air  mo  choguis  nach  do  rinn  mi  uiread 
's  a  bu  choir  dhomh  a  dheanamh  an  aghaidh 
cogaidh.  Bho  chionn  coig  bliadhna  fichead 
^tha  mi  a'  searmonachadh  uair  's  a' 
bhliadhna  air  a'  chuspair  so ;  a' 
feuchainn  ri  inntinn  Chriosd  air  a' 
chilis  a  thuigsinn  agus  a  thoirt  gu  aire 
mo  choimhthionail.  Ach  sin  uile  e.  Cha 
mho  is  aithne  dhomh  ministear  eile  anns  an 
eaglais  a  rinn  an  corr  ;  leig  sinn  leis  an  olc 
dol  air  aghaidh  gun  a  chronachadh  is  bhean- 
naich  sinn  an  cogadh  an  uair  a  thoisich  e. 

Ach  tha  an  Ld^Guimhne  so  a'  toirt  cothrom 
dhuinn  air  rud-eigin  a  dheanamh  a  nis  a  bu 
choir  dhuinn  a  dheanamh  o  chionn  fhada, 
agus  guth  na  h-eaglais  a  thogail  air  taobh 
Sithe.  Uigh  ar  n-uigh  bu  choir  dhuinn  an 
Jd=cuimhne  a  thionndadh  gu  bhi  'na 
Dhdmh7iach=SHhe  air  am  biodh  urnuighean 
air  an  deanamh  anns  a  h-uile  eaglais  anns 
an  rioghachd  air  son  Sithe  agus  aire  dhaoine 
air  a  tarruing  gu  teagasg  is  inntinn  Chriosd 
a  thaobh  cogaidh. 

Na'm  biodh  so  air  a  dheanamh  theagamh 
gu'n  cailleadh  an  eaglais  cuid  de  na 
Coirnealan  agus  de  na  Maidsearan  a  bhios  a 
mearrsadh  innte  uair  's  a  bhliadhna  air 
cheann  buidheann  de  shaighdearan,  no  air 
cheann  nam  balach  ris  an  abrar  Scouts,  ach 
b'  fhearr  do'n  eaglais  fabhar  nan  Coirnealan 
a  chall  seach  a  h-anam  fein  a  chall.  Mur 
dean  an  eaglais  aithreachas  agus  miir 
atharraich  i  a  h-inntinn  agus  a  doighean  a 
thaobh  cogaidh  cha'n'eil  rud  air  an  t-saoghal 
as  cinntiche   na  gu'n  caill  i  a  h  anam. 

Co  as  urrainn  a  bhi  toilichte  le  fianuis  na 
h-eaglais  Chriosduidh  ann  am  bliadhnachan 
a'    chogaidh?  Bha    a    faidhean   balbh    an 

lathair  an  uile  ;  ma  dh'  fhosgail  iad  idir  am 
beul  b'  ann  a  bhrosnuchadh  dhaoine  agus  a 
chur  dhaoine  air  mhire-chatha.  Bha  na 
h-eaglaisean  beaga  cho  dona  ris  na  h-eaglais- 
ean  mora ;  na  h-eaglaisean  Saora  cho 
dona  ri  eaglaisean  na  Staide.  Cha  robh  ach 
aon  bhuidheann  beag  de  Chriosduidhean  air 
an  t-saoghal  nach  do  liib  an  gliui  do  dhia  a' 
chogaidh,  agus  a  sheas  fad  na  h-iiine  'n  a 
aghaidh,  am  buidheann  ris  an  abrar 
Qiiakers,   no  Coniunn  nam  Brdithrean. 

Anns  a  h-uile  rioghachd  bha  an  eaglais  air 
taobh  na  rioghachd ;  am  port   a  dh'  iarr  an 


43 


luchd-riaghlaiflh  chluich  na  ministearan  e. 
Blia  clanii  na  li-eaglais  Phapanaich  a' 
iiiarbhadh  a  clieile  oiv  blia  iad  air  an  loinn 
am  measg  nan  lioghachdan,  ach  bha  am 
Papa  mor  cho  balbh  ri  clag  gun  teanga,  agus 
eagal  air  na'n  labhradh  e  gu'"n  tugadh  e 
oilblieum  do  chuid-eigin. 

Co  a  chunnaic  no  chuala  fad  uile  bhliadlr- 
naclian  a'  cliogaidh  dad  a  bheireadh  air  a 
chreidsinn  gu  bheil  gaol  Sithe  anns  an  eaglais 
nach  'eil  anns  an  t-saoghal?  An  uair  a 
thoisicheas  cogadh  agus  a  tha  an  rioghachd 
d'  am  buin  sinn  air  a  h-uilinn  tha  e  duilich 
do  dhaoine  deusanta  dol  an  aghaidh  an 
daoine  fein,  eadhon  ged  bhiodh  an  coguis  ag 
iarraidh  orra  sin  a  dheanamh.  Cha  'n  e  sin 
an  t-am ;  so  an  t-am  ceart,  agus  bliiodh  an 
eaglais  glic  agus  air  slighe  a  dleasdanais 
na'n  deanadh  i  an  Ld-cuimhne-  'na  Dhomh- 
nach'SUhe  gu  brath  tuilleadh. 

CRIOSD  AGUS  COGADH. 

Bha  an  eaglais  balbh  a  chionn  nach  robh 
fhios  aice  gu  ceart  ciod  a  bu  choir  dhi  a  radh 
]'is  an  t-saoghal ;  bha  i  aim  an  ceo  i  fein  is 
cha  treoraich  dall  dall  eile.  Tha  tri 
cuspairean  sonraichte  air  a  bheil  an 
saoghal  an  diugh  ag  iarraidh  soluis  o'n 
eaglais,  ach  cha'n  urrainn  an  eaglais  solus 
no  treorachadh  a  thoirt  da ;  an  t-Sabaid, 
am  Biobull,  agus  cogadh.  Cha'n  urrainn  an 
eaglais  labhairt  le  giith  laidir  no  le  iighdarras 
air  bith  air  na  nithean  sin  oir  tha  a  luchd- 
teagasg  air  an  roinn  'n  am  measg  fein.  Na'm 
biodh  a'  cheist  air  a  deasbud  anns  an  Ard 
Sheanadh,  a  bheil  e  laghail  do  dheisciobuil 
C'hriosd  dol  a  chogadh  tha  fhios  agam  gu'n 
abradh  a'  mhor-chuideachd  gu  bheil,  agus 
gu'm  biodh  am  fear-deasbuid  as  fhearr 
anns  an  eaglais  air  taobh  na  mor-chuideachd, 
an  t-Ollamh  W.  P.  Paterson.  Ach  bhiodh 
cuid  air  an  taobh  eile,  is  bhithinn  fein  'n 
am  measg. 

Bho  cheud  laithean  na  h-eaglais  bha  a' 
cheist  so  a'  rannsachadh  cogviisean  nan 
Criosduidhean,  ach  ged  nach  do  rinn  an 
eaglais  I'iamh  lagh  no  riaghailt  uime  bha  na 
ceud  chreidmhich  a'  seachnadh  an  airm  agus 
a'  seachnadh  a'  chlaidheimh  a  tjiogail  mar 
nach  'eil  creidmhich  an  diugh.  Ged  nach 
robh  iad  uile  de'n  aon  inntinn  bha  an  rud 
ris  an  abrar  yacAjiavx  na  bu  chumanta  am 
measg  nan  ceud  Chjriosduidhean  na  tha  e 
anns  an  eaglais  an  diugh ;  bha  aireamh  mhor 
dhiubh  nach  tugadh  gnuis  do  chogadh  idir 
idir.  Ach  cha'n  ann  anns  an  eaglais  a 
gheibhear  na  Pacifists  an  diugh ^  no  am  measg 
luchd-aideachaidh  na  diadhaidheachd,  ach 
am  measg  dhaoine   a   tha   an   taobh-a-muigh 


de'n   eaglais,   ged  tha  meas  aca    air 
Chriosd. 

Cha  robh  aithrichean  na  h-eaglais  de'n 
aon  inntinn.  "  Ciamar  a  bhiodh  e  laghail 
dhuinn  an  claidheamh  a  ghabhail,"  arsa 
TertuUian,  "an  uair  a  thubhairt  an  Tigh- 
earna  fein  gu'n  sgriosar  leis  a'  chlaidheamh 
iadsan  a  ghabhas  an  claidhean^h  "  "Leis 
an  arm  a  thoirt  a  lamh  Pheadair  thug  Criosd 
an  t-arm  a  lamh  an  t-saighdeir  o'n  la  ud  gu 
brath  tuilleadh."  Bha  an  diadhair  Origen 
de'n  cheart  bheachd.  Ach  bha  an  naomh 
Augustine  air  an  taobh  eile  ;  thubhairt  e  gu'm 
faodadh  Criosduidh  dol  do'n  t-saighdearachd 
cho  mhaith  ri  daoine  eile. 

Ach  mar  a  thoisich  an  eaglais  agus  an 
saoghal  air  measgadh  ri  cheile,  agus  a 
thoisich  na  Criosduidhean  air  inbhe  is 
riaghladh  fhaotainn  anns  na  rioghachdan  fa 
leth,  agus  gu  sonraichte  an  uair  a  thoisich 
raiteachas  nan  rioghachdan  air  gaol-duthcha 
a  dhusgadh  an  cridheachan  an  luchd- 
aiteachaidh,  uigh  ar  n-uigh  thoisich  na 
Criosduidhean  air  fas  coltach  ri  daoine  eile 
'n  am  beachdan  agus  'n  an  giiilan  a  thaobh 
cogaidh.  Agus  air  a  cheann  mu  dheireadh, 
cha'n  e  mhain  gu'n  do  bheannaich  an  eaglais 
cogadh  ach  rinn  i  cogaidhean  i  fein  is  chuir 
i  an  claidheamh  ann  an  laimh  a  cloinne. 
Cha'n'eil  dearbhadh  air  bith  ann  an  eachd- 
raidh  na  Roinn-Eorpa  gu  robh  cumhachd  na 
h-eaglais  riamh  air  a  chleachdadh  gu  laidir 
air  taobh  Sithe,  no  gu'n  do  mhallaich  an 
eaglais  cogaidhean  a  bheannaich  rlghrean  is 
Parlamaidean. 

SEANALAIR  VON  BERNHARDI. 

Tha  seorsa  Pacifism  ann  nach  bu  mhaith 
leamsa  mo  pheann  no  mo  lamh  a  shalachadh 
ris,  ach  air  a  shon  sin  tha  mi  a'  creidsinn 
gu'm  b'eannaicheadh  Criosd  am  Pacifism 
ceart,  agus  a'  creidsinn  nach  urrainn  an 
eaglais  a  bhi  dileas  d'a  maighstir  mur 
beannaich  ise  e  cuideachd.  Tha  cuimhne 
agam  gu  maith  mar  a  dh'  fheuch  an  eaglais 
cho  mhaith  ris  an  staid,  ministearan  cho 
mhaith  ris  na  paipearan-naigheachd,  ri  eagal 
is  uamhas  a  chur  oirnn  roimh  na  Gearmail- 
tich  ann  an  laithean  a'  chogaidh,  ag 
innseadh  ciod  a  thubhairt  Von  Bernhardi 
mu  chogadh.  "Ann  am  beatha  a'  chinneadh- 
daonna,"  ars'  an  Seanalair,  "tha  cogadh 
feumail,  cho  feumail  's  nach  dean  an  saog'hal 
adhartas  air  bith  as  eugmhais.  Ma  tha 
duine  an  dull  gu'n  stad  cogadh  anns  an  t- 
saoghal  so  tha  e  mar  dhuine  a  tha  bruadar, 
agus  a  thuilleadh  air  sin  cha'n'eil  a  bhruadar 
boidheach.  Is  e  cogadh  aon  de  na  doighean 
anns  a  bheil  Dia  a'  deanamh  ceartais  air  an 


44 


talamh  agus  a'  cur  ordugii  am  measg 
riogliachdan,  aon  de  iia  doighean  anns 
a  bheil  na  buadhan  as  uaisle  ann  an 
nadur  mhic  an  duine  a  neartachadh, 
misneach  is  cruadalachd  is  dilseachd.  An 
uair  a  stadas  cogadh  fasaidh  daoine  bog  is 
roiceil  ;  cha  bhi  dad  air  an  aire  aca  ach 
itheadh  is  61  is  toilinntinn  leibideach  na 
fe61a.." 

Cha  robh  a'  bheag  de  chiibaidean  anns  an 
diithaich,  agus  idir  idir  cha  robh  paipear- 
naigheachd  anns  nach  robh  Bernhardi  air  a 
choimeas  ri  Satan  air  son  a  bhi  teagasg  gu 
bheil  cogadh  feumail  do'n  t-saoghal,  agus 
gu'm  faodar  cogadh  a  dheanamh  gun  chionta, 
ach  ged  nach  robh  ar  ministearan  no  i.- 
paipearan-naigheachd  a'  bualadh  na 
tarruing  air  a  ceann  cho  cuimseach  direach 
ris  an  t-seann  Seanalair  bha  a'  cheart 
theagasg  air  a  thoirt  seachad  ann  am  mile 
cubaid  anns  an  diithaich.  A  dh'  innseadh 
na  flrinn  cha  chuala  mi  teagasg  eile  ach  so 
fad  na  h-iiine,  agus  cha  chluinn  an  diugh 
fhathast.  Toisichidh  sinn  uile  le  bhi  ag 
radh  gu  bheil  an  t-am  aig  na  rioghachdan 
rian  a  dheanamh  air  stad  a  chur  air  cogadh, 
ach  m'an  teid  an  ai-gumaid  fad  air  a  h- 
aghaidh,  bidh  sinn  ag  radh  nach  gabh  sin 
deanamh;  gu  bheil  tuilleadh  's  a  choir  de 
nadur  a'  choilich  ann  am  mac  an  duine,  agus 
CO  dhiu  gu  bheil  cruadal  is  fulangas  a' 
glanadh  beatha  na  rioghachd  o  fheinealachd 
agus  o  shoghaltachd.  Mar  sin  agus  mar  sin 
agus  mar  sin,  gus  mu  dheireadh  am  beannaich 
sdnn  an  rud  a  bha  sinn  a'  ciallachadh  a 
mhallachadh. 

Na'n  toilichinn  a  dheanamh  dh'  fhaodainn 
criomagan  de  na  searmoin  aig  easbuigean 
anns  an  eaglais  Shasunnaich  agus  aig 
diadhairean  anns  na  h-eaglaisean  Saora 
a  chur  sios  air  an  duilleig  so  a  bheireadh  ort 
a  shaoilsinn  nach  'eil  rud  air  an  t^saoghal  a 
thruailleas  beatha  rioghachd  cho  mhor  ri  sith 
mhaireannach.  Shaoileadh  tu  gu  robh  thu 
ag  eisdeachd  ri  Bernhardi  agus  nach  ann  ri 
Albannach  no  ri  Sasunnach  ;  gu  robh  thu  ag 
eisdeachd  ri  Seanalair  airm  agus  nach  ann 
ri  ministearan  an  t-soisgeil. 

Cha  ghabh  an  saoghal  cur  ceart  an  aon 
latha ;  ach  air  a  shon  sin  tha  e  mar 
fhiachaibh  air  an  eaglais,  mar  chorp  Chriosd 
agus  mar  fhianuis  Chriosd  air  an  talamh,  a 
guth  agus  a  comhairle  agus  a  h-ughdarras  a 
thogail  suas  air  taobh  Sithe  anns  an  t-saoghal. 
Tha  e  furasda  do  eaglais  Steidhichte  gean- 
maith  cumhachdan  an  t-saoghail  a  chosnadh 
le  bhi  samhach  an  uair  a  bu  choir  dhi 
labhairt,  agus  le  bhi  beannachadh  nithean  a 
tha  annta  fein  mallaichte.  Ma  ni  eaglais  na 
h-Alba  sin  caillidh  i  a  h-anam  gun  teagamh. 


AR  CORP  DIBLIDH. 

Cha  dean  e  miighadh  mor  co  dhiu  a  theii' 
sinn  ris  ar  coi'p  diblidh  no  corj?  ar 
n-irioslachaidh,  mar  tha  e  air  eadar- 
theangachadh  anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig  mu 
dheireadh,  th,a  an  corp  'n  a  eire  thruim 
dhuinn  uile,  agus  do  chuid  tha  e  'n  a  chrois 
uile  laithean  am  beatha.  Anns  an  linn  so  gu 
sonraichte  tha  an  corp  a'  faotainn  aire  agus 
curam  nach  d'  fhuair  e  riamh  roimhe,  ach 
mar  is  mo  a  tha  e  a'  faotainn  is  ann 'is  mo  a 
tha  e  ag  iarraidh,  gus  mu  dheireadh  a  bheil 
e  an  impis  ar  toil  agus  ar  spiorad  a  liaghladh 
gu  buileach.  Ach  bu  bhochd  an  rud  na'n 
tachradh  sin.  An  uair  a  cheangail  Dia  an 
spiorad  agus  an  fheoil  ri  cheile  ann  an  nadur 
mhic  an  duine  bha  e  a'  ciallachadh  gu'm 
biodh  an  spiorad  'n  a  mhaighstir  agus  an 
corp  'n  a  sheirbhiseach ;  gu'm  biodh 
ughdarras  aig  an  spiorad  thairis  air  an 
fheoil,  ach  an  diugh  tha  an  spiorad,  bitheanta 
gu  leoir,  'n  a  thraill  do'n  chorp. 

An  uair  a  thoisicheas  daoine  air  ro- 
chiiram  a  ghabhail  d'  an  cuirp  agus  air 
smuaineachadh  air  na  cunnartan  a  tha  mu'n 
cuairt  orra  anns  an  t-saoghal  so,  cha'n'eil 
ceann  no  crioch  aig  an  amaideaw  aig  am  faod 
iad  sgur.  An  aite  smuaineachadh  air  na 
nithean  a  tha  urramach  is  ceart  is  fior- 
ghlan,  mar  tha  an  t-abstol  ag  iarraidh  oirnn 
a  dheanamh,  tha  moran  dhaoine  anns  an  t- 
.saoghal  an  diugh  nach  'eil  a'  smuaineachadh 
air  dad  eile  o  dh'  fhosglas  iad  an  siiilean 
anns  a'  mhaduinn  gus  an  diiin  iad  an  siiilean 
anns  an  oadhche  ach  air  germs,  na  germs  a 
dh'  fhaodas  am  posta  fhagail  air  na  litrichean 
aca  le  chorragan,  na  germs  a  dh'  fhaodas 
biiidsearan  is  fuineadairean  is  paisdean  is 
cuileagan  a  chur  anns  a'  bhiadh  aca.  Air 
neo  tha  iad  usaideach  mu'n  bhiadh  fein  ;  cia 
meud  trath  is  coir  dhaibh  a  ghabhail,  no  co 
dhiu  is  fhearr  dhaibh  tighinn  beo  air  cnothan 
no  air  iasg ;  no  ciod  an  tomhas  ceart  de  uisge 
teth  a  dh'  olas  iad  an  am  dol  a  laighe,  no 
ciod  an  doigh  anns  an  fhearr  dhaibh  am 
biadh  a  chagnadh  m'  an  leig  iad  sios  e. 

An  uair  a  thoisicheas  an  ro-churam  sin  air 
aite  fhaotainn  ann  an  smuaintean  dhaoine 
tha  an  t-am  aca  an  corp  diblidh  a  cheannsach- 
adh,  agus  a  cheannsachadh  anns  an  aon  doigh 
anns  an  gabh  sin  deanamh,  gun  smuain  no 
aire  a  thoirt  da  idir.  "  Air  an  aobhar  sin, 
tha  mi  ag  radh  ruibh,"  arsa  Criosd,  "  Na 
hitheadh  ro-chiiram  oirihh  mu  'v/r  heatha, 
ciod  a  dh'  itheas  no  a  dh'  olas  sihh;  no  m.u 
'ur  corp,  ciod  a  chuireas  sihh  nmaihh.  Nach 
m,b  a'  hheatha.  na  am  hiadh,  agus  an  corp  ua 
an  t-aodach." 


Air     12. 


1929. 


LEABHAR  NA  H-EAGLAIS. 

So  an  aireamh  mii  dheireadh  de'n  leabhar 
dheai-g — Beatha  agus  Obair — a  bhios  air  a 
cur  a  mach  mar  a  b'  aithne  dhuinn  e  o 
chionn  ioniadh  bliadhna.  An  toiseach  na 
h-ath  bhliadhna  bidh  e  fhein  agus  Record  na 
h-eaglais  Shaoir  Aonaic'hte  air  an  cur  comhla, 
ceud  thoradh  an  Aonaidh.  Ach  tha  fhios  agam 
gu'm  bi  ar  luchd-leughaidh  toilichte  gu  bheil 
an  seann  ainm  ri  bhi  air  a  leantuinn  air 
an  leabhar  iir,  Beatha  agus  Ohair.  Cha  n- 
urrainn  mi  a  radh  ciod  an  dath  a  bhios  air, 
ach  theagamh  gu  bheil  e  fior  mu  leabhraich- 
ean  mar  tha  e  fior  mu  eich,  nach  robh  each 
maith  riamh  air  droch  clhath. 

Anns  an  leabhar  iir  cha  bhi  dearmad  air  a 
dheanamh  air  a'  Ghaidhlig ;  bidh  ochd 
duilleagan  againn  do"n  Ghaidhlig  an  aite 
ceithir.  Gus  am  faicear  ciamar  a  bhios 
ciiisean  a  dol  air  aghaidh  bidh  na  duilleagan 
sin  air  an  cur  a  mach  fo  laimh  nan  ceart 
dhaoine  a  bha  'g  an  sgriobhadh  anns  an  da 
eaglais  roimhe  so,  an  t-Ollamh  Mac  Illinnein 
agus  mi   fhein. 

Bha  an  t-Ollamh  Mac  Illinnein  a'  faotainn 
barrachd  cuideachaidh  's  a  bha  mise ;  bha 
barrachd  dhaoine  a  sgriobhadh  anns  an 
Fhianuis  na  bha  riamh  a'  sgriobhadh  anns  an 
leabhar  againne.  Cha  n'eil  e  maith  do'n 
luchd-leughaidh  gu'm  biodh  an  aon  tromb  air 
a  cluich  daonnan,  is  bhithinn  an  comain 
mhinistearan  oga  anns  a'  Ghaidhealtachd 
na'n  cuireadh  iad  thugam  an  drasd  's  a  ris 
rud-eigin  a  bhiodh  freagarrach  air  son  an 
leabhair  so ;  searmon,  no  seanchas,  no 
bardachd. 

Tha  mi  an  dochas  gu'm  bi  an  leabhar  iir 
air  a  sgaoileadh  gu  farsuing  air  feadh 
choimhthionailean  na  h-eaglais  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  gu'n  ceannaich 
Seiseinnean  barrachd  dhiubh  a  nis  a  chionn 
gu  bheil  barrachd  Gaidhlig  ri  bhi  annta. 

MAISE  NA  H-AOISE. 

Tha,  ar  crioch  dluth,  tha  ar  IditheaAi  air 
an  coimhlionadh ;  seadh,  thdinig  ar  crioch. 
Tuireadh  leremiah. 

Tha  an  saoghal  uile  an  diugh  air  dol  as 
deidh  dhaoine  oga  :  da  thrian  de  na  searmoin 
a  chluinnear  anns  na  h-eaglaisean,  is  ann 
ris  an  oigridh  a  tha  iad  air  an  labhairt. 
Theagamh  gu  bheil  sin  ceart  is  freagarrach 
gu  leoir,  oir  tha  iomadh  ribe  agus  buaireadh 


anns  an  t-saoghal  a'  feithfeamh  air  casan 
dhaoine  oga  is  tha  e  iomchuidh  gu'm  biodh 
rabhadh  is  comhairle  air  a  thoirt  daibh  ann  an 
gradh,  ach  tha  a  cunnartan  fein  a'  feitheamh 
air  an  aois  is  tha  e  a  cheart  cho  feiimail  gu'm 
biodh  seann  daoine  a'  cuimhneachadh  an 
Cruithfhir  's  a  tha  e  gu'm  biodh  daoine  oga 
'g  a  dheanamh. 

Tha  cuid  de  na  leughas  an  duilleag  so  nach 
'eil  fhathast  ach  ann  am  maduinn  ait  an 
oige,  ach  tha  cuid  eile  dhiubh  a  tha  coltach 
ris  a'  bhliadhna  a  tha  tarruing  gu  crich ;  tha 
iad  ann  an  December  am  beatha;  tha  an 
laithean  dluth  do  bhi  air  an  coimhlionadh. 
Is  ann  riusan  a  bu  mhaith  leam  a  bhi 
bruidhinn  air  a'  mhios  so,  agus  air  eagal 
nach.  bi  cothrom  eile  agam  tighinn  thairis  air 
bu  mhaith  leam  an  gealladh  so  a  tha  ann  am 
Facal  an  Tighearna  a  chur  'n  an  cuimhne, 
Eadhon  gu  seann  aois  iomchairidh  mise  thu, 
agus  gu  fcdt  Hath  giidainidh  agus  sahhalaidh 
mi  thu. 

Tha  an  aois  'na  coron  gloire  an  uair  a  tha 
toraidhean  an  Spioraid  'ga  leantuinn ; 
gradh,  ciiiine,  faighidinn,  sith.  Cha  n'eil  e 
air  a  cheadachadh  do'n  h-uile  duine  fois  is 
saorsa  bho  obair  is  iipraid  an  t-saoghail 
fhaotainn  'n  an  seann  aois,  ach  ma  tha  e  air 
a  cheadachadh  dhaibh  le  an  crannchur 
shaoghalta  an  armache!  a  chur  dhiubh  agus 
uallach  an  latha  fhagail  air  guaillean  eile  bu 
choir  daibh  a  bhi  taingeil  do  Dhia,  agus  an 
inntinn  a  dheanamh  suas  gu'n  teid  cuisean 
an  t-saoghail  air  aghaidh  as  an  eugmhais. 
Sin  aon  de  na  buairidhean  as  trice  a  tha 
feitheamh  air  seann  daoine  gu  bheil  e 
duilich  leo  an  car  a  leigeil  as  an  lamhan  agus 
an  aite  a  thoirt  seachad  do  dhaoine  eile  as 
comasaiche  agus  as  oige  na  iad  fein.  Tha 
trian  mhor  de'n  ghearan  agus  de'n  mhi- 
thoileachas  a  tha  milleadh  sith  sheann  daoine 
agus  a'  muchadh  maise  na  diadhaidheachd 
annta  ag  eirigh  bhuaith  sin,  nach  urrainn 
daibh  an  saog-hal  a  leigeil  seachad. 

B'abhaist  do'n  Ollamh  Tomas  Chalmers  a 
bhi  ag  radh  gu  robh  laithean  a  bheatha  air 
an  roinn  'n  an  seachd  roinnean,  deich 
bliadhna  anns  gach  roinn,  agus  gu'm  bu 
mhaith  leis  na  deich  bliadhna  mu  dheireadh 
a  bhi  air  an  cur  seachad  mar  Shabaid 
fhoisneachail  is  naomh,  mar  gu'm  biodh  e 
cheana  anns  a'  chiiirt-a-mach  de'n  teampull 
a  dh'  ullaich  Dia  air  neamh.  Cha  d'  fhuair 
Tonlais  Chalmers  a  dhurachd,  ach  tha  Dia  a' 
toirt  cothrom  do  mhoran  d'a  shluagh  a'  chuid 


46 


mil  dheireadh  d'  am  beatha  a  bhi  cho  ciuin 
foisneachail  ri  la  na  Sabaid.  Nach  gorach  a 
h-uile  duine  aig  a.  bheil  an  cothrom  so  mur 
gabh  e  e  1 

Tha  seann  daoine  air  uairean  carraideach 
a  chionn  gu  bheil  iad  aonaranach ;  tha  sruth 
an  t-saoghail  a'  dol  seachad  orra  agus  iad 
mar  gu'm  biodh  iad  air  am  fagail  air  sgeir. 
Tha  am  bas  daonnan  a'  toirt  bhuapa  caraid 
an  deidh  caraid,  is  companach  an  deidh 
companaich,  gus  mu  dheireadh  a  bheil  iad  air 
am  fagail  mar  chraoibh  a  chaill  a  geugan 
agus  a  duilleach.  Cha  n'eil  e  furasda  do'n 
oigridh  a  thuigsinn  cho  aonaranach  's  a  dh' 
fhaodas  seann  daoine  a  bhith  eadhon  ann  an 
tigh  a  tha.  Ian  cuideachd  is  aighear.  Tha  iad 
a'  cuimhneachadh  agus  ag  ionndrainn ;  ag 
ionndrainn  ceiim  na  coise  is  fuaim  a  ghutha 
ris  an  robh  iad  cleachdta  agus  a  bha  dhaibh 
mar  am  beatha  fein.  A  thuilleadh  air  sin  tha 
an  aois  a'  toirt  iomadh  eucail  cuirp  'n  a  lorg ; 
eadhon  ged  nach  biodh  iad  ann  an  droch 
shlainte  no  air  an  cumail  air  an  leabaidh  tha 
vseann  daoine  a'  failneachadh  agus  a'  fulang 
'n  am  bodhig  daonnan,  air  chor  agus  gu  bheil 
e  nadurra  gu  leoir  gu'm  biodh  iad  na's 
gearanaiche  agus  na's  carraidaiche  na  bha 
iad  uaireigin. 

Ach  air  a  shon  sin  cha  n'eil  maith  dhuinn 
leigeil  leinn  fein  tuiteam  air  ar  n-ais  anns 
na  ceumanna  mu  dheireadh  de  reis  ar  beatha, 
no  leigeil  le  anfhannachd  a  chuirp  aoibhneas 
an  anama  a  mhilleadh.  Tha  Dia  a'  ciallach- 
adh  gu'm  biodh  slig-he  an  fhirein  mar  an  solus 
dealrach,  a  dhealraicheas  na's  mo  agus  na's 
mo  gu  ruig  an  la  iomlan.  Tha  e  a'  ciallach- 
adh  gu'm  biodh  feasgar  fann  ar  beatha  cho 
aoibhneach  anns  an  Spiorad  Naomh  ri 
laithean  ar  neirt,  na  laithean  anns  an 
robh  sinn  mothachail  air  a  bhi  deanamh 
seirbhis  d'a  rioghachd.  Tha  aon  ghloir 
aig  a'  mhaduinn  agus  s'loir  eile  aig 
an  fheasgar ;  ma  tha  eirigh  na  greine 
maiseach  tha  laighe  na  greine  maiseach  cuid- 
eachd. Is  ann  mar  sin  a  tha  beatha  a' 
Cliriosduidh,  no  co  dhiu  a  bu  choir  dhi  a 
bhith,  tha  samhchair  is  ciuine  is  ciaradh  an 
fheasarair  cho  maiseach  ri  soilleireachd  is  teas 
na  orreine  air  a'  mheadhon-la. 

Theagamh  nach  'eil  e  cho  furasda  do 
sheann  daoine  seirbhis.  a  dheanamh  do  Dhia  le 
an  oibrichean,  le  an  lamhan,  agus  le  am  beoil, 
agus  le  an  saothair,  's  a  bha  e  an  uair  a  bha 
iad  luath  laidir,  ach  faodaidh  iad  seirbhis  as 
fhearr  na  sin  a  dheanamh  dha  ma  tha  iad  a' 
leioreil  le  solus  na  diadhaidheachd  a  tha  annta 
dealradh,  ma  tha  iad  a'  nochdadh  maise  na 
diadhaidheachd  'n  am  beatha.  Sin  an 
fhinnuis  air  taobh  na  diadhaidheachd  as 
laidire  ann   an   suilean    na   h-6igridh,   maise 


na  diadliaidheachd  fhaicinn  air  seann  daoine. 
An  uair  a  chithear  coron  na  naomhachd  air 
a'  cheann  aosda  liath  tha  driiidhteachd  anns 
an  t-sealladh  sin  nach  'eil  ann  an  rud  eile  air 
thalamh.  Tha  buaidh  aige  eadhon  air  daoine 
aingidh. 

Tha  an  ceann  liath  'n  a  choron  gloire  an 
uair  a  gheibhear  e  ann  an  slighe  na 
fireantachd ;  tha  an  aois  maiseach  an  uair 
a  bheir  i  a  mach  toraidhean  siochail  na 
fireantachd  ;  faighidinn  is  dochas  is  gradh, 
agus  a  bheir  i  seann  daoine  fo  bhuaidh  an 
t-saoghail  eile.  Do  iomadh  duine  tha  na 
laithean  mu  dheireadh  d'  am  beatha  a  cheart 
cho  sona  ri  laithean  an  oige.  Tha  iad 
taingeil  gu'm  faod  iad  am  beatha  a  ghabhail 
gu  reidh  ;  taingeil  air  son  throcairean  as  leir 
dhaibh  na's  fhearr  na  bu  leir  dhaibh  iad  'n 
an  oige,  agus  gu  sonraichte  tha  am  miann  air 
fois  shiorruidh  nan  naomh  a'  fas  na's  laidire 
an  uair  a  tha  a'  chrioch  a'  tighinn  dluth. 

Am  measg  nan  tiodhlacan  maithe  a  tha  Dia 
a'  toirt  do  chuid  de  dhaoine  cha  n'eil 
tiodhlac  as  fhearr  na'n  tiodhlac  beannaichte 
sin  a  tha  e  a'  toirt  do  sheann  daoine  a  tha 
toilichte  le  an  staid  ;  a  tha  ag  abachadh  ann  an 
gras  leis  na  bliadhnachan,  agus  a'  feitheamh 
gu  faighidinneach  ris  an  atharrachadh  ris  a 
bheil  dochas  aca.  Nach  bu  mhaith  a  bhi 
fuireach  anns  an  aon  tigh  ris  an  duine  a 
sgriobh  an  litir  so  'n  a  sheann  aois  ! 

"  Ged  tha  mise  air  an  sgeilp  agus  nach 
urrainn  dnmh  dad  a  dheanamh  tha  e  'n  a. 
aohhar  gdirdeachais  dhomh  a  bhi  cluinn= 
finn  mar  tha  obair  an  Tighearna  a'  dol  air 
a  h=aghaidh.  'W  am  shlainte  tha  mi  git 
maith,  ach  gun  chomas  dad  a  dheanamh. 
Tha  mo  chnamhan  a'  sgaineadh  o  cheile  ach 
do  hhrigh  gu  bheil  Criosd  mo  Shlanuighear 
aig  deas  Idimh  an  Athar  cha'n  abair  mi 
gu  bheil  mo  chridhe  mar  cheir.  Mar  is 
dluithe  a  tha  a'  chrioch  a'  tighinn  is  ann 
is  motha  mo  mhainn  air  Dia  a  mholadh. 

"  Tha  mi  an  dochas  gu'n  teid  agad  air 
mo  Idmh-sgriobhaidh  a  leughadh.  Tha  mo 
shealladh  air  fas  cho  dona  's  nach  ruig  mi 
a  leas  feuchainn  ri  leahhar  a  leughadh. 
Tha  mi  'g  am  chriibadh  fein  aig  an  teine 
ach  gu  fortanach  tha  na  sailm  air  mo 
mheomhair  agus  gheibh  mi  anns  na  sailm 
na  dh'  fhbghnas  dhomh.  Tha  mi  taingeil 
gu'n  teid  agam  air  dol  a  steach  do'n  eaglais 
a  h-uile  maduinn  a  ghabhail  na  sdcramaid 
naomh;  cha  n'eil  feuni  ann  dhomh  dol  gu 
seirbhis  eile  oir  cha.  chluinn  mi  drannd. 
Ach  tha  an  la  dliith  anns  am  fosgailear 
suilean  nan  dall,  agus  anns  am  bi  cluasan 
nam.  bodhar  air  am  fosgladh.  Cha  n-fhada 
gus    an     tig    an    la     sona    sin,     agus    an 


47 


coinnich     mi    ris     an    fheadhainn    a     tha 
feitheamh  orm  thall. 

"  Moran  taing  dhuit,  a  charaid,  air  son 
t-urnuighean :  elm  ii'eil  ddigh  air 
tirnuighean  ar  cairdeaii  a  phaigheadh  ach 
le  urnuighean  eile.  Mar  sin  tha  mi  a' 
guidJie  gu'm  hi  do  chory  agus  t'  anarn  air 
an  gleidheadh  o  gach  truaillidheachd  agus 
olc  gu  teachd  an  t=Slanuigheir  bheannaichte 
a/ins  a  hheil  ddchas  againn  le  cheile.  Ged 
thig  crloch  air  a'  hhliadhna  so  agus  air  ar 
faitJienn=ne  cha  tig  crioch  air  a  ghradh=san; 
tha  e  0  shior?-uddheachd  gu  sior nndh  eachd ." 


ANNS  A  CHOILLE  BHEITHE. 

Aon  uair  eile  m'an  tig-  an  geamhradh  bu 
mhaith  learn  suidhe  greis  learn  fhein  anns  a' 
Choille  Bheithe  agus  sith  is  fois  fhaotainn  do 
mo  chridhe  le  bhi  beachdachadh  air  maise  an 
t-saoghail.  Tha  an  saoghal  da  lireadh 
maiseach,  cho  maiseach  agus  gu'n  toir  e 
bhuait  air  uairean  do  chainnt  agusi  do 
bhreithneachadh.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil 
ciobairean  'n  an  daoine  chotosdach. 

Is  ann  annamh  a  shuidh  mi  riamh  air  an 
tolman  so  gun  searmon  fhaotainn,  no  co  dhiu 
rud-eigin  as  an  deanainn  searmon,  agus  an 
diugh  fhein  thainig  am  f acal  so  a  steach  air  m' 
inntinn  le  cumhachd  ur,  Air  dhuihh  siiUean 
a  bhi  agaibh  nach  faic  sibhl 

Cha  n'eil  rud  air  bith  anns  an  t-saoghal  so 
gun  fheum  (tha  feum  ann  am  puinnsean  na 
nathrach  agus  anns  an  dath  a  tha  air  sgiath 
an  dealain-de)  ach  ged  tha  fheum  fein  aig 
gach  ni  a  tha  deanamh  an  t-saoghail  cho 
maiseach  saoilidh  mi  nach  'eil  e  cearr  dhomh 
a  radh  gu  robh  tuilleadh  is  sin  ann  an 
inntinn  Dhe  an  uair  a  lion  e  an  talamh  le 
uiread  maise :  bha  e  'n  a  inntinn  solas  is 
sonas  a  thoirt  d'a  chloinn  agus  an  aire  a 
tharruing  a  dh'  ionnsuidh  na  h-oighreachd  a 
dh'  uUaich  e  air  an  son.  Ach  tha  moran  dhiubh 
nach    'eil  a'  faicinn  ged  tha  suilean  aca. 

Mar  sin  o  smuain  gu  smuain,  o  rann  gu 
rann,  o  aon  fhacal  gu  facal  eile,  chaidh  m' 
inntinn  air  feadh  nan  sgriobturan  mar  gu'm 
biodh  seillean  a'  sgiathalaich  ann  an  garadh 
gus  mu  dheireadh  an  do  shocruich  i  air  an 
smuain  so,  gu  bheil  beatha  agus  bas  ann  an 
cumhachd  nan  std. 

Sin_  agaibh,  a  mhinistearan  Gaidhealach, 
cuspair  air  am  faod  sibh  labhairt  ri  bhur 
coimhthionailean  ceithir  Sabaidean  as  deidh 
a  cheile  gun  an  sgitheachadh.  Na  minis- 
tearan  a  chumas  ris  a'  BhiobuU  cha  n-e 
mhain  nach  sgithich  iad  an  luchd-eisdeachd 
ach  togaidh  iad  suas  iad  ann  an  eolas,  agus 


ann  an  gliooas,  agus  ann  an  creideamh.  Gu 
fortanach  tha  a'  mhor-chuideachd  _  de 
mhinistearan  na  Gaidhealtachd  a'  leantuinn 
deagh  chleachdadh  nan  aithrichean  agus  a' 
teagasg  Facal  an  Tighearna,  leabhar  a  tha 
cho  tarbhach  a  chum  teagaisg_  's  gu'm 
faighear  nithean  ura  ann  ged  bhiodh  tu  a' 
teagasg  as  fad  mile  bliadhna.  Ach  tha  gu 
leoir  de  luchd-teagaisg  anns  na  bailtean 
mora  a  tha  a  reir  choslais  sgith_  de'n 
BhiobuU,  oir  cha'n  ann  as  a  bhios  iad^  a' 
toirt  moran  de  na  cuspairean  air  am  bi  iad 
a'  labhairt  ach  k  sgriobhaidhean  nam 
feallsanach,  no  i  obair  nam  bard,  air  neo  tha 
iad  a'  toirt  seachad  am  beachdan  fein  air 
gach  ceist  a  chi  iad  air  an  togail  anns  na 
paipearan-naigheachd  agus  a  tha  iad  an  dull 
a  ni  greim  air  cluasan  tachasach.  Mur  creid 
thu  so  bhuam-sa,  a  leughadair,  seall  air  na 
paipearan-naiffheachd  air  Di-Sathairn  agus 
creid  do  shiiilean  fein. 

Ma  tha  ministear  eolach  anns  a'  BhiobuU  cha 
ruig  a  shearmoin  a  leas  curam  a  chur  air  ; 
ni  iad  iad  fein.  Cha  n'eil  pairt  aige-san 
annta  ach  gu'n  leig  e  le  Facal  an  Tighearn 
labhairt  ri  chridhe  fein  an  toiseach,  agus  an 
sin  ri  daoine  eile.  Gun  teagamh  labhraidh 
am  facal  sin  ri  daoine  na's  cumhachdaiche 
ma  tha  e  air  a  thoirt  dhaibh  gu  ciallach  agus 
ann  an  doigh  ordail  seach  na'm  biodh  e  air 
a  thoirt  daibh  gu  leanabail  agus  gun  rian. 
Ach  is  ann  ann  am  Facal  an  Tighearna  fein 
a  tha  a  chumhachd  daonnan  agus  cha'n  ann 
ann  am  briathran  no  ann  an  reusonachadh 
an  t-searmonaiche ;  a  chumhachd  a  bheir 
cridheachan  dhaoine  fo  bhuaidh  na  firinn. 
Thug  Dia  iomadh  anam  do'n  duine  ionraic, 
R.  M.  Mac  Cheyne  nach  maireann,  mar 
dhuais  a  shaothrach  ach  thubhairt  Mac 
Cheyne  uair-eigin  nach  b'  aithne  dha  aon 
duine  a  bha  air  iompachadh  le  dad  d'a  chuid- 
san  ;  bha  iad  air  an  iompachadh  le  facal  air 
chor-eigin  anns  a'  BhiobuU  a  dh'  uisnich  e 
'n  a  theagasg  agus  air  an  do  ghreimich  an 
inntinn. 

Ach  gu  tilleadh  air  m'  ais  gu  cumhachd 
nan  siil,  bha  ar  daoine-ne  a'  creidsinn  ann 
an  droch  shuil,  agus  a  dh'  innseadh  na 
firinn  tha  an  dara  leth  de  mhuinntir  Chille- 
sgumain  a'  creidsinn  innte  fhathast.  Nach 
b'  fhiach  e  an  t-saothair,  mata,  na'n  tugadh 
an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D., 
searmon  dhaibh  air  an  droch  shuil,  agus  na'n 
innseadh  e  ciod  an  seorsa  siila  ris  an  abair  na 
sgriobturan  droch  shuil.  Fagaidh  mise  an 
searmon  sin  aig  ministear  Chille-ssrumain 
fein,  oir  cha  bu  mhaith  learn  mo  bhriathran 
a  chur  ann  am  beul  duine  eile,  ach  faodaidh 
mi  cuid  de  na  sgriobturan  ainmeachadh  a 
ohuireadh  e  mar  phuist  anns  an  togail, 


48 


An  clrocli  shuil. 

Siiilean  a   tha  Ian  adhaltranais. 

Suilean  a  tha  clear g  le  fion. 

An  t=sinl  anns   nach   'eil  trocair. 

An  t-suil  a  chaogas  gu  feall. 

An    t-siiil    a    tha   air    a    dalladh    le 

tiodhlac. 
An  t-suil  nach  fhaic  ged  tha  sealladh 

innte. 
Na  siiileaii  a  tha  ann  an  iomall  na 

talnihainn. 
An   t-siiil  nach  gahh  sdsuchadh. 
An  t-snil  a  ni  fanoid,  air  athair. 
An  t-suil  anns  a  hheil  sail. 

Dh'  fhaodainn  innseaclh  c'  aite  a  bheil  na 
briathran  sin  anns  na  Sgriobturan  ach  cha 
dean  mi  sin  a  chionn  gu  bheil  e  maith  do 
dhaoine  na  Sgriobturan  a  rannsachadh  air  an 
son  fein.  Ach  an  uair  a  ni  sinn  sin  agus  a 
gheibh  sinn  a  mach  ciod  an  t-siiil  a  tha  toirt 
nilbheum  dhuinn  cuimhnicheamaid  nach  'eil 
leigheas  air  bith  oirre  ach  an  leigheas  a  thug 
Criosd  do  dhaoine,  "Ma  bheir  do  shuil  aobhar- 
tuislidh  dhuit  spion  a  mach  i  agus  tilg  uait 
i ;  is  maith  dhuit  dol  a  steach  do'n  bheatha 
air  aon  suil,  seach  da  shiiil  a  bhi  agad  agus 
thu  bhi  air  do  thilgeadh  ann  an  Gehenna  an 
teine." 

An  ath  Shabaid  dh'  fhaodadh  e  searmon 
eile  a  thoirt  dhaibh,  air  a  steidheachadh  air 
na  briathran  so  anns  a'  Bhiobull. 

Suilean  an  Tighearna. 

Tha  suilean  an  Tighearna  anns  gacli 

aite. 
Tha   siiilean  Dhe  air  an  fhirean. 
Chi  siiilean  Dhe  gach  ni  liiachmhor. 
Tha  a  shiiilean  na's  gloine   na  gu'n 

amhairc  iad,  air  aingidheachd . 
Tha   sitil  an    Tighearna  orra=san  d' 

an  eagal  e. 
Tha  a  shiiilean  mar  lasair  theme. 

Agus  an  t-Sabaid  'na  dheidh  sin  dh' 
fhaodadh  searmon  eile  a  thoirt  daibh  air 
an  t-suil  mhaith. 

An  t-siiil  mhaith 

Mo    shiiilean    togani    suas    a    chum 

nam  beann  o'n  tig  moHneart. 
Na  siiilean  a  tha  air  am  fosgladh. 
Bu  shiiilean  mi  do'n  dall. 
Taireil    'na  shiiilean  tha    an  duine 

nach  fhiach. 
Tha  mo  shiiilean  a  dh'  ionnsuidh  an 

Tighearn  a  ghnath. 
Na  siiilean  anns  a  bheil  gmomharan 

Dhe   miorbhuileach . 
Na    siiilean    amis    an    diiisg    gradh 

ionghnadh. 


Na  siiilean  a  shileas  le  aithreachas. 
Na  siiilean  o'n  do  shiabadh  na  deoir. 

Tha  iad  sin  uile  maith,  ach  is  beann  aichte 
da  I'lreadh  siiilean  na  feadhnach  a  chunnaic 
na  nithe  a  bu  mhiann  le  ainglean  agus  le 
faidhean  fhaicinn,  mar  a  chunnaic  sinne. 
Ach  ciod  a  theirear  ris  na  suilean  sin  air  a 
bheil  a'  ghloir  a  tha  ro-anbharrach  a'  feith- 
eamh,  na  suilean  a  chi  an  Righ  'na  mhaise 
agus  a  dhearcas  air  aghaidh  ri  aghaidh  ! 

^  ^:  ^  Ht  ^  'It 

An  uair  a  dh'  fhag  mi  mo  thigh  o  chionn 
da  uair  an  uaireadair  agus  a  shuidh  mi  air 
an  tolman  so^  cha  robh  rim  air  bith  agam 
toiseachadh  air  searmonachadh,  no  idir  idir 
innseadh  do  mhinistearan  eile  ciamar  a  bhios 
mi  fhcin  a'  deanamh  tmearmon,  ach  co  dhiii 
a  bhios  a'  ghaoth  an  ear  no  an  iar,  an  uaii 
a  shuidheas  mise  anns  a'  Choille  Bheithe, 
gabhaidh  long  na  h-inntinn  Ian  a  siiiil  de'n 
t-soirbheas,  agus  is  e  Cille-sgumain  a  ceann- 
uidhe. 

Tha  gu  leoir  de  dhaoine  ann  an  Cille- 
sgumain  aig  a  bheil  droch  fhradharc  agus  a 
tha,  feumach  air  speuclairean,  gu  litireil  agus 
gu  samhlachail.  Thug  an  duine  uasal  coir, 
Mghr  Coats  ann  am  Paislig,  Ian  bocsa  de 
speuclairean  dhaibh  o  chionn  bhliadhnachan, 
gus  na  leabhraichean  a  thug  e  dhaibfi"  roimhe 
sin  a  leughadh.  Fhuair  Calum  Crotach 
speuclairean  mar  chach  ach  tha  rud-eigin 
cearr  air  suilean  Chaluim  air  chor  agus  nach 
'eil  speuclairean  Mhghr  Coats  a'  freagairt 
air.  Air  oidhche  Di-sathairne  gu  sonraichte 
bidh  e  a'  faicinn  rudan  nach  'eil  ann  idir, 
rudan  eile  a  dha  uiread  's  a  tha  iad,  agus 
corra  rud  dubailte.  Ach  tha  e  cho  cinnteach 
as  a  shealladh  fein  oidhche  Di-sathairne  's 
nach  'eil  maith  dhuit  cur  'n  a  aghaidh  air 
neo  bidh  tapaid  a  dhith  air. 

Tha  rud-eigin  cearr  air  suilean  a' 
Choirneil  cuideachd ;  sgleo  neonach  a  bhios 
a'  tighinn  thairis  orra  an  uair  a  chluinneas 
e  ainmean  sonraichte.  Am  bltheantas  tha  a 
shealladh  maith  gu  leoir  agus  a  shiiilean  glan 
is  soilleir,  ach  cha  n'eil  agad  ach  Ramsay  Afac 
Dhomhnuill  a  radh  'n  a  eisdeachd  is  fasaidh  a 
shiiilean  agus  aghaidh  cho  dears'  ri  cirean 
coilich  is  bithidh  e  a'  faicinn  an  t-saoghail 
uile  'n  a  aon  bhrat  dearg. 

Tha  an  t-am  aig  duine  speuclairean  gloine 
fhaotainn  an  uair  a  mhothaicheas  e  nach  'eil 
e  furasda  do'n  t-siiil  chorparra   a  dheanamh 
a  mach  co  dhiii  a  tha  i  a'  sealltuinn  air  3  no/ 
air   5   no   air  8.  Agus   tha   an  t-am  aig_  \ 

speuclairean  eile  fhaotainn  an  uair  a  mhoth-'>; 
aicheas  e  gu  bheil  daoine  eile  a'  faicinn  maise 
anns   a'   chruthachadh    agus   ann    an   daoine 
nach       'eil      e      fein      a'      faicinn      annta. 


Air  I 


930 


Seanachas — X 

"■  Dh'ung  thu  le  h-ola  mo  cheann.'" — Salm  xxiii.  5.         ''  Ach  tha  agaibhseungadh  o'n  Ti  naomh." — 1  EoiNii.20. 


BHA  am  bard  diadhaidh  'g  a  f haicinn  f hein 
aig  bord  an  Tighearna,  agus  e  gle  shona  ann, 
a'  seinn  le  ceol  'n  a  chridhe  : 

Domh  dheasaich  bord  air  beul  mo  namh, 
Le  h-ola  dh'ung  mo  cheann  ; 
Cur  thairis  tha  mo  chupan  fos, 
Aig  meud  an  lain  a  t'ann. 

Bu  mhor  an  taitneas  a  f  huair  e  le  bhi  a'  smuai- 
neachadh  gun  deach  a  cheann  ungadh  le  h-ola, 
an  uau-  a  ghabhadh  ris  mar  aoigh.  Bha  gach 
ni  a  bha  an  t-ungadh  sin  a'  ciallachadh  a'  toirt 
solas  mor  dha.  Is  lad  sin  na  nithean  tha 
dfeanamh  nam  briathran  cho  taitneach  dhuit 
fhein,  an  uair  a  tha  thu  feuchainn  ri  bhi  'g  an 
seinn. 

1.  Tha  'n  t-ungadh  a'  ciallachadh  gun  deach 
gabhail  ris  mar  aoigh,  gu  failteach  furanach. 
Bha  e  'n  a  chleachdadh  aig  muinntir  na  h-Ard 
an  ear  a  bhi  glanadh  chasan  agus  ag  ungadh 
chinn  nan  aoighean,  mar  chomharra  gun  robh 
lad  deagh-bheathte.  Ged  a  thug  Simon,  am 
Pharasach  cuireadh  do'n  Tighearna  gu  a  thaigh, 
ann  an  uaibhreachas  a  chridhe  dhiiilt  e  a  chasan 
a  nighe,  no  a  cheann  ungadh.  Ach  thainig  bean 
a  bha  'n  a  peacach  a  steach,  gun  chuireadh,  do 
sheomar  an  Pharasaich  ailgheasaich,  agus  rinn 
i,  ann  an  gradh  a  cridhe,  an  rud  bu  choir  dhasan 
a  dheanamh  gu  h-eireachdail,  an  uair  a  thainig 
an  Tighearna  a  stigh.  Bha  fios  aig  an  Phar- 
asach nach  do  rinn  e  a  dhleasdanas,  agus  chaidh 
a  chur  gu  naire  am  fianuis  nan  aoighean.  Bha 
fios  aig  an  t-salmaidh  gun  deach  gabhail  ris, 
agus  gun  robh  e  deagh-bheathte  aig  a'  bhord. 
Is  mor  an  solas  tha  e  toirt  do  shluagh  an 
Tighearna  a  bhi  creidsinn  gun  do  ghabhadh  riu 
do'n  teaghlach,  ann  an  inbhe  cloinne,  agus  chan 
ann  mar  aoighean  a  mhain. 

2.  A  rithisd,  tha  an  t-ungadh  a'  comharra- 
chadh  gu  bheil  iad  ro  thearainte  anns  an  inbhe 
sin.  Tha  a  mhuinntir  ungtasan  air  an  gleidh- 
eadh  leis,  agus  tha  impidh  air  a  chur  air  na 
h-uile  gun  chron  a  dheanamh  orra  : 

Feuchaibh  nach  bean  sibh  ris  an  dream, 
A  dh'ungadh  leam  gu  caomh  : 
Is  f6s  na  deanaibh  cron  air  bith. 
No  lochd  air  m'fhaidhibh  naomh. 

An  neach  a  bheanas  dhaibh  tha  e  beantainn  ri 
clach  a  shiilasan.  Cha  leagadh  Daibhidh 
fhein  a  lamh  air  Saul,  an  uair  a  f huair  e  cothrom 
air.  Bha  Saul  tearainte  do  bhrigh  gun  robh  e 
air  ungadh.  Tha  a'  mhuinntir  ris  an  do  ghabh 
an  Tighearna,  mar  aoighean  gu  fialaidh  gras- 
mhor  ann  an  Criosd,  agus  a  chuir  e  measg  a 


shluaigh  'n  a  thaigh  agus  aig  a  bhord,  a'  faotainn 
fiosrachadh  solasach  gu  bheil  iad  air  an  deagh 
dhion  o  naimhdean  agus  o  chunnartan  a  tha 
timchioll  ox'ra,  anns  gach  seasainh  air  gach 
taobh.  Tha  a  sgiathan  neo-fhaicsinneach 
thairis  orra  g'an  dion,  agus  tha  a  lathaireachd  a 
tha  ghnath  maille  riu,  a'  fuadach  gach  namhad 
air  falbh  uatha.  Feudaidh  iad  suidhe  sios  gu 
sona,  oir  cha  tig  cron  air  bith  'n  an  car.  Tha 
iad  air  an  gleidheadh,  oir  tha  iad  air  an  ungadh 
leis-san. 

3.  Tha  an  t-ungadh  a'  comharrachadh  gur 
sluagh  iad  a  tha  air  an  coisrigeadh  do'n  Tig- 
hearna.    Bha  'n  t-sagartachd  air  fad  agus  na 
righrean  air  an  ungadh,  an  uair  a  bha  iad  air  an 
taghadh    agus    air   an   cur    air   leth   chum    an 
dreuchd.     Bha  iad  air  an  coisrigeadh  gu  fol- 
laiseach,  an  uair  a  bha  iad  air  an  ungadh  le 
h-ola.     B'  e  sin  an  comharra  gun  robh  iad  air 
an  cur  air  leth  air  son  nan  dreuchdan  urramach 
sin.     Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  tha  sluagh  an 
Tighearna  air  an  ungadh  leis  an  Spiorad  naomh, 
air  an  coisrigeadh  do  Dhia,  agus  air  an  cur  air 
leth  leis  gu  bhi  'n  an  sagartachd  naomh  agus 
'n  an  cinneach  rioghail  dha  fein.     Bu  nhor  an 
t-urram  a  chuireadh  air  daoine  an  uair  a  bha 
iad  air  an  taghadh  agus  air  an  ungadh  mar 
shagairtean    agus    mar    righrean    am    measg 
sluaigh  an  Tighearna  ;  ach  is  ro  mho  an  t-urram 
a  tha  Dia  a'  cur  air  fhior  shluagh  fhein,  ann  an 
eaglais  Chriosd,  an  uair  a  tha  e  'g  an  deanamh 
uile  'n  an  righrean  agus  'n  an  sagairtean  da. 
Mar  a  sheinn  Daibhidh  gu  sona,  a'  moladh  an 
Ti  a  dh'ung  a  cheann,  agus  a  chuir  e  am  measg 
aoighean  a  thighe,  tha  fhior  shluagh  a'  seinn 
moladh  binn,  tre  gach  linn  de'n  eaglais,  air  son 
an  urraim  iongantaich  a  chuir  e  orra  : 
Do'n  Ti  ro  ghrasmhor  sin, 
A  ghradhaich  sinn  's  a  dh'ionnlaid  sinn, 
Le  fhuil  ro  luachmhor  fhein, 
O  ar  peacaidhean  gu  leir  : 
Rinn  righrean  dhinn  is  sagairtean. 
Do  Dhia  is  do  athair-san  ; 
Dhasan  gun  robh  gloir, 
Agus  cumhachd  mor, 
Gu  saoghal  nan  saoghl. — Amen, 

An  uair  a  choisrig  Criosd  e  fhein  air  son  obair 
na  reite,  aig  a  bhaisteadh,  thainig  an  Spiorad 
naomh  a  nuas  air  o  neimh  agus  ghabh  e  comh- 
naidh  air.  Bha  e  air  ungadh  leis  an  Spiorad 
naomh  agus  le  cumhachd  air  son  na  h-obair 
gus  an  d'thainig  e.  An  uair  a  dh'uUaich  esan 
eaglais  gu  bhi  'n  a  fianuis  agus  'n  a  teachdaire 
dha  fhein,  chum  a  chliii   agus   a  shoisgeul  a 


2 


SEANACHAS  X— NA  DUILLEAGAN  GAIDHLIG 


chraobh-sgaoileadh,  am  measg  nan  cinneach, 
dh'ung  e  iad  air  la  na  cuingeis  leis  an  Spiorad 
naomh,  agus  shuidh  e  air  gach  aon  diubh  fa 
leth."  An  uair  a  tha  luchd-dreuchd  air  an  cur 
air  leth  air  son  seirbhis  an  Tighearna  'n  a 
rioghachd,  is  e  so  a  tha  'g  an  deasachadh  agus 
'g  an  uidheamachadh  air  son  na  seirbhis  :  gu 
bheil  an  spiorad  air  ungadh  leis  an  Spiorad 
naomh.  Chan  'eil  ni  air  bith  eile  a  ghabhas 
aite  an  ungaidh  sin.  Buinidh  an  cothrom 
glormhor  so,  chan  ann  do  luchd-dreuchd  na 
h-eaglais  a  mhain,  ach  do  na  h-uile  neach  do'n 
d'thug  esan  aoigheachd  a  ghraidh.  Co  tha 
ri  obair  air  leth  'n  a  rioghachd  nach  'eil  a' 
mothachadh  fheum,  agus  nach  'eil  ag  iarraidh 
gu  diirachdach  gun  deanadh  e  f  hein  an  ungadh 
gu  diamhair  agus  gu  pailt  gach  la,  air  son  a 
sheirbhis  ?  Is  truagh  cor  a'  chreutair  a  chaidh 
a  choisrigeadh  gu  follaiseach,  chum  dreuchd 
naomh  air  bith,  nach  do  choisrigeadh  gu  diamh- 
air leis  an  Tighearna  le  ola  nan  gras  !  Guidh- 
eamaid  gum  bi  an  Tighearna  ag  ungadh  gu 
diamhair  le  ola  iir  agus  ola  aoibhnis  gach  neach 
a  chaidh  a  chur  air  leth  gu  follaiseach,  air  son 
a  sheirbhis  naomh. 

4.  Is  beannaichte  an  ni  daoine  bhi  air  an 
coisrigeadh  gu  follaiseach  le  daoine,  agus  gu 
diamhair  le  Dia,  air  son  dreuchdan  urramach 
a  rioghachd  f  hein.  Chan  e  na  h-uile  tha  mar 
sin  air  an  coisrigeadh  a  tha  air  an  naomhachadh, 
ach  is  e  mo  bheachdsa  gun  robh  Daibhidh  air 
a  naomhachadh  fad  uile  laithean  a  bheatha,  le 
bhi  cuimhneachadh  gun  deach  a  cheann  ungadh 
le  h-ola  ;  agus  gun  robh  an  sluagh  a'  sealltuinn 
suas  ris  mar  aon  ungta  Dhe.  B'iomadh  droch 
chomhairle,  droch  chuideachd,  droch  shlighe 
o'n  do  chum  an  smuain  sin  e  re  uile  laithean  a 
bheatha.  An  uair  a  bhiodh  e  air  a  bhuaireadh 
sheinneadh  e  :  "  Dh'ung  thu  le  h-ola  mo 
cheann,"  agus  chumadh  sin  glan  e.  Is  e  coth- 
rom a  shluaigh  gu  leir  a  bhi  air  an  ungadh  leis 
an  Spiorad  naomh.  Tha  cuid  a  tha  sealbha- 
chadh  an  ungaidh  sin  agus  a'  seinn  gach  la  le 
bilean  aoibhneach  : 

Is  mar  le  h-ola  fhiorghlan  iiir, 

Ungar  mi  fein  le  d'ghras. 


Tha  cuid  eile  a  shaoileadh  gur  e  bhiodh  ann  fior 
dhanadas  dhaibhsan  a'  chainnt  sin  a  chleach- 
dadh.     Tha  iad  ag  radh  : 

Cha  ruig  mi  air,  oir  tha  e  ard, 
Ra  thuigsinn  is  ra  luaidh. 
Gidheadh  is  e  coir  gach  aoigh  ris  an  gabh  esan, 
a  bhi  air  ungadh  le  h-ola.  Is  e  coir  gach  neach 
de  shluagh  an  Tighearna  a  bhi  sealbhachadh 
lathaireachd  a  Spioraid  air  an  siubhal  gach 
latha.  Tha  'n  Tighearna  ag  radh  ri  shluagh  : 
"  Tha  e  fantainn  maille  ruibh  agus  bidh  e 
annaibh."  Sgriobh  Eoin  gu  creidmhich  :  "  Tha 
'n  t-ungadh  a  fhuair  sibh  uaitheasn  a'  fantainn 
annaibh. ' '  Tha  e  air  an  siubhal  mar  chumhachd 
naomhachaidh  'n  am  beatha.  Tha  Spiorad  an 
Tighearna  a'  gabhail  seilbh  agus  a'  gabhail 
tamh  ann  an  spiorad  a  shluaigh.  Is  e  so  an 
t-ungadh  a  tha  aca  o'n  Ti  naomh.  Is  e  so  an 
cumhachd  a  tha  'g  an  naomhachadh  gach 
latha.  Tha  an  Spiorad  naomh  annta,  g'an 
deanamh  naomh  agus  g'an  coimhead  naomh, 
ag  oibreachadh  annta,  an  toil  agus  an  gniomh, 
agus  g'an  uidheamachadh  sir  son  gach  uile 
dheagh  obair. 

5.  Tha  'n  t-ungadh  air  a  bheil  an  Tiomnadh 
Nuadh  a'  deanamh  iomradh  a'  coisrigeadh,  a' 
naomhachadh  agus  a'  soillseachadh  nan  naoimh. 
Tha  iadsan  a  tha  air  an  ungadh  le  Criosd  a' 
faotainn  tuigse  agus  eolas  mar  thoradh  air. 
Tha  e  a'  glanadh  agus  a'  soillseachadh  an 
spioraid  a  tha  e  fiosrachadh.  "  Is  aithne  dhuibh 
na  h-uile  nithean  "  tha  Eoin  ag  radh.  Is  e  obair 
an  Spioraid  a  bhi  soillseachadh  inntinn  dhaoine. 
Tha  shluagh  gu  leir  air  an  teagasg  leis  an 
Tighearna.  Tha  rim  an  Tighearna  aig  an 
dream  d'an  eagal  e  gu  fior.  Ma  tha  neach 
sam  bith  dorch,  gun  eolas  air  f  hein  is  air  a  choir, 
tha  an  Tighearna  ag  radh  ris  :  "  Comhairlichim 
dhuit  .  .  .  ung  do  shuilean  le  sabh-shiil  chum 
gur  leur  dhuit."  Is  e  sin  :  "  larr  gum  bi  thu 
air  t'ungadh  leis  an  Spiorad  naomh.  An  sin 
chi  thu  gu  soilleir  do  choir."  O,  cha  b'iongan- 
tach  idir  gun  sheinn  Daibhidh  gu  cridheil  binn  : 

'S  tu  dh'ungas  mo  cheann  le  h-ola  na  fiaitheas, 

'S  mo  chupan  thairis  's  tu  lionas. 

Alasdair  Macrath. 


Na  duilleagan  Gaidhlig 


MAR  tha  fhios  aig  a'  mhor-chuideachd  d'ar 
luchd-leughaidh  cheana  tha  leabhar  na  h- 
eaglais  a'  toiseachadh  as  ur  air  a'  mhios  so,  fo'n 
ainm  Beatha  agus  Obair.  Bidh  ochd  duilleagan 
Gaidhlig  ann,  is  bidh  na  duilleagan  sin  air  an 
deasachadh  leis  an  dithis  mhinistearan  so, 

Calum  Mac  Illinnein,  an  Duneideann 
Dbmhull  Mac  Laomuinn,  am  Blar  an  Adholl. 

An  uair  a  bha  an  da  eaglais  dealaichte  bha 
gach  te  dhiubh  a'  cur  a  mach  a  h-uile  mios  mu 
cheithir  mile  de  na  duilleagan  Gaidhlig,  ach  a 


nis  o'n  a  tha  iad  air  dol  comhla  tha  dochas 
againn  gu'm  bi  suas  ri  ochd  mile  de  mhiosachan 
na  Gaidhlig  air  a  chraobh-sgaoileadh  air  feadh 
na  Gaidhealtachd.  Thugadh  ministearan  agus 
cleirich-sheiseinean  fanear  gu'm  faigh  iad 
Beatha  agns  Obair  leis  na  duilleagan  Gaidhlig 
ann  air  a'  cheart  phris  a  chosdas  e  gun  a' 
Ghaidhlig  idir.  Mar  sin  theid  aca  air  na  duil- 
leagan Gaidhlig  a  thoirt  d'an  coimhthionailean  a 
nasgaidh,  air  chor  agus  gu'm  bu  choir  do'n  h-uile 
ministear  anns  a'  Ghaidhealtachd  Beatha  agus 
Obair  f  haotainn  leis  na  duilleagan  Gaidhhg  ann. 


NA  DUILLEAGAN  GAIDHLIG-AM  MINISTEAR  AGUS  AM  FOIRFEACH     3 


Is  mor  an  coimhthional  seachd  no  ochd  mile 
teaghlach  ;  thigeadh  e  do  dhaoine  a  bhios  a' 
scriobhadh  thuca  am  briathran  a  thomhas  agus 
a  bhi  ciiramach  nach  cuir  iad  facal  sios  ach  facal 
air  am  faodadh  iad  beannachd  an  Tighearna 
iarraidh  ;  facal  nach  dean  cron.  Feuchaidh 
sinne  ri  sin  a  chumail  romhainn  daonnan,  agus 
ma  theid  sinn  cearr  is  ann  gun  fhios  duinn,  is 
iarraidh  sinn  maitheanas.  Cha  ghabh  sinn 
gnothuch  ri  eaglaisean  eile,  no  ris  na  daoine  a 
tha  annta  ;  leigidh  sinn  an  siubhal  leo. 

Ged  tha  e  'n  a  thoileachadh  dhuinn  a  bhi 
sgriobhadh  Gaidhlig,  agus  mar  sin  a  bhi  cuid- 
eachadh  aobhar  na  Gaidhlig  air  feadh  na 
duthcha,  feumar  a  chuimhneachadh  nach  e  sin 
idir  as  mathair-aobhair  do  na  duilleagan  so. 
Cha  n-e  aobhar  na  Gaidhlig  ach  aobhar  an 
Tighearn  is  maith  na  h-eaglais  a  gheibh  a'  cheud 
aite  anns  an  leabhar  so  daonnan.  Tha  e  fior  gu 
bheil  na  duilleagan  Gaidhlig  so  a'  toirt  cothrom 
do  bharrachd  dhaoine  anns  a'  Ghaidhealtachd 
cainnt  am  mathar  a  leughadh  na  tha  iad  a' 
faotainn  air  dhoigh  air  bith  eile,  no  bho  Chomunn 
air  bith  eile,  ach  ged  tha  sin  'n  a  thoileachadh 
mor  dhuinn,  cha'n  ann  aig  a'  Chomunn 
Ghaidhealach  a  tha  ar  ceud  ghaol  no  ar  ceud 
dhilseachd  ach  aig  an  eaglais. 

Air  sgath  sheann  daoine  gu  sonraichte  nach 
urrainn  dol  do'n  eaglais,  agus  air  sgath  dhaoine 


eile  cuideachd,  bidh  searmon  againn  anns  na 
duilleagan  so  a  h-uile  mios.  Ach  bidh  nithean 
eile  annta  a  thuilleadh  air  searmoin  ;  tha  an 
saoghal  farsuing  is  tha  an  saoghal  maiseach  is 
tha  inntinn  mhic  an  duine  Ian  feorachais,  agus 
cha  n  iarramaid  dad  a  b'  fhearr  na  gu'n  rachadh 
againn  air  smuaintean  a  chur  ann  an  cinn 
oigridh  na  Gaidhealtachd  a  dh'  fhosgladh  an 
siiilean  agus  an  inntinnean,  agus  a  bhiodh  dhaibh 
mar  iuchraichean  a  leigeadh  a  steach  iad  do  na 
seomraichean  diomhair  sin  anns  a  bheil  mac  an 
duine  a'  faotainn  a  shonais  agus  a  shaorsa.  Cha 
bhi  duine  gu  brath  sona  no  saor  gus  an  ionnsaich 
e  smuaineachadh  air  a  shon  fhein,  no  gus  an 
toisich  e  air  meamhrachadh  air  maise  agus 
ionghnadh  an  t-saoghail  ;  air  doighean  agus 
rtiintean  Dhe.  Cha  duine  duine  a  bhios  a'  cur 
seachad  a  bheatha  's  a  thaic  ri  stob  cuilce. 

Ach  ciod  air  bith  a  their  sinn,  no  ciod  air  bith 
an  cusp  air  air  an  sgriobh  sinn,  is  e  a'  chrioch 
araidh  a  bhios  aig  na  duilleagan  Gaidhlig  so 
daonnan,  ainm  naomh  an  Tighearna  a  mholadh 
agus  cridheachan  ar  luchd-leughaidh  a  shocruch- 
adh  air  na  nithean  a  tha  urramach  is  fior- 
ghlan. 

Bliadhna  mhaith  ur  dhuibh  uile,  agus  mar 
b'abhaist  do  Rabbi  Duncan  a  bhi  ag  radh  aig 
an  am  so  de'n  bhliadhna,  Siorruidheachd  shona 
dhuibh  cuideachd. 


Am  Ministear  agus  am  Foirfeach 


BHA  Maighstir  Eachann  agus  am  foirfeach 
anabarrach  mor  aig  a  cheile.  Bha  iad  comhla 
deich  bliadhna  fichead,  ach  anns  an  iiine  sin  cha 
tainig  facal  riamh  eatorra,  is  cha  mho  a  fhuair 
an  dara  fear  cearb  anns  an  fhear  eile.  Bha 
Maighstir  Eachann  toilichte  leis  an  fhoirfeach, 
bha  am  foirfeach  toilichte  le  Maighstir  Eachann 
is  bha  muinntir  Chille-sgumain  car  toilichte  leo 
le  cheile. 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aca  coinneachadh  a 
h-uile  feasgar  Di-luain,  uair  mu  seach  ann  an 
tighean  a  cheile.  Feasgar  sonraichte  a  bha  iad 
a'  seanchas  mu  aois  chairdean  is  choimhears- 
nach  agus  mu  na  h-eucailean  a  tha  an  aois  a' 
tarruing  'n  a  lorg  thubhairt  Maighstir  Eachann; 

"  Tha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad,  Iain,  is 
cha  n'eil  thu  fhein  no  mi  fhein  cho  off  's  a  bha 
sinn. 

"  Tha  sin  fior,  a  mhinistear,  ach  taing  do'n 
Fhreasdal  tha  mo  mheamhair-sa  cho  mhaith  's  a 
bha  i  riamh." 

"  Air  a  shon  sin  dheth,"  arsa  Maighstir 
Eachann,  "  faodaidh  mise  an  ni  ceudna  a  radh, 
ach  so  aon  rud  a  theirinn  riut,  Iain.  Air  mo 
sgath  fhein  agus  air  sgath  mo  choimhthionail 
tha  mi  a'  cur  romham  nach  seas  mi  air  am 
beulaobh  aon  la  na's  fhaide  na's  coir  dhomh, 
agus  tha  mi  ag  earbsadh  riut-sa,  a  charaid,  cagar 
a  chur  'n  am  chluais  cho  luath  's  a  mhothaicheas 


tu  gu  bheil  mi  a'  dol  air  m'  ais.  Tha  e  furasda 
dhomh-sa  agus  do  mo  leithid  sinn  fein  a  mheal- 
ladh,  ach  is  maith  an  sgathan  stiil  caraid,  is  tha 
mi  ag  earbsadh  riut-sa  rabhadh  a  thoirt  dhomh 
an  am." 

M'  an  deachaidh  am  foirfeach  'n  a  fhairea- 
chadh  gheall  e  gu'n  deanadh  e  sud,  ach  air  dha 
cnuasachadh  air  a'  ghnothuch  an  deidh  laimhe, 
bha  cho  mhaith  leis  dleasdanas  eile  a  bhi  air  a 
leagadh  air  a  ghuaillean.  Ach  cha  do  leig  e 
leis  an  rud  dragh  a  chur  air  inntinn  aig  an  am. 
oir  thubhairt  e  ris  fhein  nach  d'  fhailnich  suil 
Mhaighstir  Eachainn  fhathast  agus  nach  do 
threig  a  neart  e. 

Chaidh  na  bliadhnachan  seachad  is  thoisch 
monmhur  am  measg  an  t-sluaigh  nach  robh  am 
ministear  cho  cuimseach  'na  fhacal  no  cho 
ordail  'n  a  theagasg  's  a  b'  abhaist  dha.  Bha  am 
foirfeach  eadar  a'  bhaobh  's  a'  bhuarach.  Bha 
e  'n  a  dhuine  coguiseach  is  bu  mhaith  leis  fhacal 
a  chumail,  ach  bha  e  'n  a  dhuine  caomhail  is  cha 
bu  mhaith  leis  a  charaid  a  ghoii'teachadh. 
Chuir  e  dail  anns  a'  ghnothach  cho  fada  's  a  b' 
urrainn  da  ach  la  de  na  laithean,  air  do'n 
mhinistear  tarruing  a  thoirt  air  an  aois  a  ris  agus 
air  maitheas  an  Fhreasdail  dha  fhein  agus  d'a 
choimhthional,  ghlac  am  foirfeach  misneach  is 
thubhairt  e  ris  a'  mhinistear, 

"  A  bheil  cuimhne  agaibh  air  an  t-seanchas  a 


AM  MINISTEAR  AGUS  AM  FOIRFEACH 


bha  eadarainn  o  chionn  bhliadhnachan  anns  an 
t-seomar  so  agus  an  gealladh  a  thug  mi  dhuibh?" 
"  Tha  sin  agam,  Iain,"  ars'  am  ministear, 
"  agus  tha  mi  ro-thoihchte  a  chluinntinn  nach 
do  dhichuimhnich  thusa  na  dh'  iarr  mi  ort,  is  tha 
mi  an  dochas,  'nuair  thig  an  t-am,  gu'n  dean  thu 
gniomh  caraid  agus  nach  ceil  thu  an  fhirinn 
orm." 

Cha  robh  fhios  aig  an  fhoirfeach  ciamar  a 
thoisicheadh  e  oir  chunnaic  e  nach  robh  amharus 
air  bith  aig  a'  mhinistear  mar  bha  cixisean.  B' 
fhearr  leis  an  duine  chneasda  gu'n  do  ghearradh 
barr  na  teangadh  dheth  m'an  do  gheall  e  na 
gheall  e,  ach  cha  b'  urrainn  da  tarruing  air  ais  ; 
bha  an  cairdeas  agus  a  choguis  'ga  phutadh  air 
an  aon  cheum.  Thainig  falhis  fuar  air  a 
bhathais,  critheanaich  am  bac  iosgaidean,  is 
casd  goirid  'n  a  mhuineal,  ach  bha  a  bheul  cho 
tioram  's  nach  b'  urrainn  da  diog  a  radh.  Sheall 
Maighstir  Eachann  gu  geur  dur  air,  is  dh' 
fhoighnich  e  an  robh  dad  cearr  air. 

"  Cha  n'eil  dad  cearr  orm-sa,  a  mhinistear, 
ach  thubhairt  mise  riu  nach  robh  dad  cearr  air 
an  t-searmon  na'n  deanadh  iadsan  feum  maith 
dheth." 

"  Dad  cearr  air  an  t-searmon  !  "  arsa  Maigh- 
stir Eachann,  "  cha  n'eil  mi  a'  tuigsinn  ciod  air 
an  t-saoghal  a  tha  thu  a'  ciallachadh." 

"  Gabhaibh  mo  lethsgeul,  a  mhinistear,  ach 
tha  cuirahne  agaibh  gu'n  d'iarr  sibh  orm  cagar  a 
chur  'n  'ur  cluais  an  uair  a  mhothaichinn  gu 
robh  sibh  a'  dol  air  'ur  n-ais,  agus  eadaruinn 

fhein  's  an  ursann ." 

"  Foghnaidh  sin,"  arsa  Maighstir  Eachann, 
gu  maith  fionnar  ;  "  cha  ruig  thu  leas  an  corr  a 
radh  ;  tha  mi  faicinn  nach  do  chord  mo  shear- 
mon  an  de  riut." 

"  Nach  do  chord  'ur  searmon  rium-sa  !  "  ars' 
am  foirfeach,  "  na'n  fhagainn  an  seomar  so  gu 
brath  ma  chuir  mise  corrag  air  'ur  searmon. 
B'e  sin  an  seangan  a'  toii't  greim  a  gearran. 

"  Tog  de  do  bhrosgul,  Iain,"  arsa  Maighstir 
Eachann  (a'  gaireachdainn),  "  ach  o'n  a  tha 
sinn  a'  bruidhinn  air  searmoin  co-dhiu,  feumaidh 
mi  aideachadh  nach  d'fhuair  mi  riamh  uiread 
saorsa  anns  a'  chubaid  's  a  fhuair  mi  o  chionn 
bliadhna  air  ais.  Agus  tha  mi  taingeil  do  Dhia 
air  a  shon.  An  aite  a  bhi  pianadh  na  feola  le 
ro-chiiram  mar  bha  mi  a'  deanamh  an  laithean 
m'amaideis  tha  mi  a  nis  'gam  thilgeadh  fein  air 
comhnadh  an  Fhreasdail,  is  tha  mi  a'  faotainn 
beothalachd  iongantach  'n  am  bhodhig  agus 
deas-chainnt  'n  am  bheul.  Ach  tha  cridh- 
eachan  a'  phobuill  cruaidh  is  tha  an  eaglais  a' 
fas  falamh." 

Cha  dubhairt  am  foirfeach  an  corr  aig  an  am, 
agus  cha  mho  a  chualas  bhuaith  riamh  mu'n 
t-seanchas  a  bha  eadar  e  fein  agus  am  ministear. 
Thuig  e  gu  maith  mar  bha  ciiisean. 

Ach  ma  bha  am  foirfeach  samhach  cha  robh 
Maighstir  Eachann  :   dh'  fhas  e  na  bu  bhriath- 


raiche  agus  na  bu  bheothaile  a  h-uile  latha,  is 
cha  robh  aite  an  suidheadh  e  nach  b'e  an  sior 
sheanchas  a  bhiodh  aige,  amaideas  na  h-6ige  is 
cruas-cridhe  an  t-sluaigh.  An  uair  a  bheireadh 
aon  de'n  choimhthional  tarruing  air  an  fhoir- 
feach 'n  a  eisdeachd  chrathadh  e  a  cheann  gu 
bronach  is  theireadh  e  le  osna  thruim  gu'm  bu 
mhor  'eagal  gu  robh  buadhan  Iain  choir  a' 
failneachadh  leis  an  aois, 

Tha  an  naigheachd  so  a'  togail  ceist  no  dha  ; 
ceistean  air  am  faodainn  seanchas  a  dheanamh 
riut,  a  leughadair,  fad  oidhche  fhada  gheamh- 
raidh  na'n  robh  mi  cho  beothail  no  cho  deas- 
bhriathrach  ri  Maighstir  Eachann.  Faodaidh 
mi  cuid  de  na  ceistean  sin  ainmeachadh  los 
gu'm  bi  thu  fhein  a'  cnuasachadh  orra  an  uair 
nach  bi  dad  as  fhearr  agad  i-i  dheanamh. 

(1)  Co  a  b'  amaidiche  am  fear  a  ihug  seachad 
comhairle  no  am  fear  nach  do  ghahh  i  ? 

(2)  Ciod  tad  comharraidhean  na  h-aoise  ? 

(3)  Ciamar  a  theid  aig  daoine  tiirail  air  iad fhein 
a  mhealladh  ? 

(4)  Co  as  a  thainig  an  deas-chainnt  agus  a' 
hhebthalachd  a  dh'  fhairich  Maighstir  Eachann 
annfein  ? 

Cha  n'eil  mi  dol  a  ghabhail  gnothuich  ris  an 
da  cheisd  mu  dheireadh  ;  thubhairt  Maighstir 
Eachann  fhein  gu'n  tainig  a  dheas-chainnt  o 
chomhnadh  an  Fhreasdail,  agus  faodar  fhagail 
mar  sin. 

Am  bitheantas  is  rud  gorach  e  do  dhuine  air 
bith  an  seorsa  comhairle  a  thoirt  air  duine  eile  a 
dh'  iarr  am  ministear  air  an  fhoirfeach.  Cha 
n'eil  teagamh  nach  robh  am  ministear  a'  saoil- 
sinn  aig  an  am  gu'n  gabhadh  e  ri  comhairle  an 
fhir  eile  mar  ghniomh  caraid,  ach  tha  cridhe 
mhic  an  duine  anabarrach  domhain  agus 
anabarrach  cealgach  is  dh'  fhaodadh  am  foir- 
feach fhios  a  bhi  aige  ciamar  a  dh'  eireadh  dha. 
Anns  an  t-saoghal  olc  so  agus  am  measg  gineal 
fhiar  tha  e  duilich  do  dhuine  an  rathad  fhalbh 
ann  an  sith  mur  bi  rud  beag  de  ghliocas  na  nath- 
rach  aige  cho  mhaith  ri  neo-lochdas  a'  chalmain. 

Tha  sinn  uile  an  diiil  gur  toigh  leinn  an 
fhirinn,  an  fhirinn  uile,  agus  gun  dad  ach  an 
fhirinn,  a  chluinntinn  umainn  fein,  ach  mo 
thruaighe  esan  a  dh'  innseas  dhuinn  an  dara  leth 
dhi.  Gabhar  gu  toileach  ris  a'  chuid  sin  dhi  a 
tha  milis  do'u  chluais  ach  a  cheart  cho  luath  's  a 
thoisicheas  caraid  coguiseach  air  ar  failingean 
innseadh  dhuinn  caillear  meas  air  tur  is  toinnisg 
an  duine,  air  neo  cuirear  as  a  leth  gu  bheil 
searbhadas  air  chor-eigin  'n  a  chridhe.  Tha 
na  daoine  as  caise  nadur  anabarrach  faighidinn- 
each  an  uair  a  thatar  'g  am  moladh,  is  caillidh 
eadhon  seanairean  glic  agus  ministearan  am 
faighidinn  an  uair  a  dh'  innsear  nach  'eil  iad 
faighidinneach. 

Anns  na  laithean  so  tha  daoine  crionna 
caomhnantach  a'  gearan  air  na  tha  dol  a  dholaidh 


^ 


AM  MINISTEAR  AGUS  AM  FOIRFEACH— LA  NA  CEISD 


de  bhiadh  agus  de  nithean  eile  a  tha  feumail  do 
bheatha  na  rioghachd,  ach  ciod  air  bith  an 
dolaidh  a  thatar  a'  deanamh  air  a'  bhiadh,  cha 
n'eil  rud  idir  ann  a  tha  cho  trie  a'  dol  a  dholaidh 
ri  Comhairle.  Ma  tha  olc  no  amaideachd  a' 
meudachadh  cha  n-e  cion  comhairle  as  aobhar. 
Bha  Maighstir  Eachann  fhein  corr  agus  da 
fhichead  bUadhna  an  eaglais  Chille-sgumain 
(m'  an  deachaidh  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlainn,B.D.,innte)  ;  ach  ged  thug  eseachad 
anns  an  iiine  sin  de  chomhairlean  maithe  na  dh' 
fhaodadh  an  saoghal  uile  a  chur  ceart  tha  a' 
cheart  uiread  farmaid  is  aimhreit  is  cxil-chaineadh 
an  Cille-sgumain  an  diugh  f  hathast  's  a  bha  ann 
riamh.  Chuala  Calum  Crotach  agus  Tom  Ehot 
agus  am  BailHdh  na  comhairlean  sin  gun  an 
cluinntinn. 

Tha  e  ceai't  gu'n  tugadh  parantan  comhairle 
air  an  cloinn,  agus  gu'n  tugadh  seann  daoine 
eolas  na  slighe  d'an  cairdean  oga,  ach  a  mach 
bhuapa  sin  cha  bu  choir  do  dhuine  a  bhi  deas 
air  comhairle  a  thairgsinn  do  dhuine  eile.  Ach 
tha  seorsa  dhaoine  ann  do  nach  'eil  e  furasda 
fuireach  samhach  ;  air  ghaol  a  bhi  bruidhinn 
bodhraidh  iad  daoine  eile  le  comhairle.  Tha 
briathran  nan  daoine  sin  mar  f  huaim  na  gaoithe ; 
cha  n  'eil  ann  an  comhairle  gun  iarraidh  ach  am 
nii-mhodh.  Am  bitheantas  cha  dean  i  ach 
droch  nadur  is  danarrachd  a  dhusgadh  anns  an 
neach  d'  an  toirear  i. 

Ach  ma  dh'  fhasar  sgith  dhiubh-san  a  thair- 
geas  comhairle  gun  iarraidh  fasar  sgith  cuid- 
eachd    dhiubh-san    a    dh'    iarras    i    gun    sgur. 


Uair  a  ghabhas  iad  i  is  da  uair  nach  gabh.  Tha 
seorsa  dhaoine  ann  a  tha  coltach  ris  an  eidheann; 
cha  n-urrainn  daibh  seasamh  air  am  bonnaibh 
fein  ;  feumaidh  iad  an  taic  a  leigeil  ri  cuid- 
eigin.  Tha  iad  an  comhnuidh  eadar  da  bharail ; 
Calum  Udalan  is  ainm  dhaibh.  Ach  ged  dh' 
fheuchas  an  seorsa  so  faighidinn  an  cairdean 
cha  daoine  cronail  no  cealgach  iad,  agus  is 
coir  dhuit  giiilan  leo  gu  reidh. 

Ach  ciod  a  theirear  ris  an  t-seorsa  eile  a 
dh'iarras  do  chomhairle,  cha  n-ann  air  ghaol 
soluis  fhaotainn  ach  air  ghaol  do  cheann  a 
sheideadh  suas  ?  Tha  na  daoine  sin  brosgulach 
is  fada  thall  ;  ma  gheibh  iad  an  cothrom  eisdidh 
iad  riut  le  ro-aire  mar  gu'm  biodh  Siorram  a' 
bruidhinn  riii  is  bheir  iad  ort  a  shaoilsinn  gu 
blieil  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  thu  cho  glic  ri 
Solamh.  Ma's  toigh  leat  am  beachd  diomhain 
sin  ort  fein  altrum  leigidh  tu  air  an  aghaidh  iad, 
ach  ma's  duine  tuigseach  tiirail  tha  cuiridh  tu 
stad  air  am  brosgul  cho  luath  's  a  leigeas  an 
t-siobhaltachd  leat  sin  a  dheanamh,  agus 
cumadh  tu  do  chomhairle  agad  fhein. 

Ach  air  a  shon  sin,  is  maith  an  rud  deagh 
chomhairle  ;  iarraidh  an  duine  glic  i  na's  trice 
na  'n  t-amadan.  An  uair  a  bhios  sinn  an  iom- 
chomhairle  is  maith  an  rud  seanchas  fhaotainn 
ri  caraid  pongail  anns  a  bheil  earbsa  againn. 
Bruidhnear  air  a'  chius  gu  saor,  taobh  air 
thaobh,  agus  anns  a'  bhruidhinn  chithear  slighe 
ar  dleasdanais.  Trebraichidh  Dia  na  daoine 
ciidn  ann  am,  breitheanas  ;  agus  teagaisgidh  e  do 
na  daoine  ciicin  a  shlighe. 


La  Na  Ceisd 
Am  Bearnaraidh  Na  H-Earadh 


Is  e  Tarmod  (Dhomhnuill)  MacLeoid  a  thug 
dhuinn  a'  Cheisd  :  Ephes.  v.  8.  Bha  comhar- 
raidhean  air  iarraidh  air  a'  mhuinntir  a  tha 
gluasad  an  slighe  an  t-soluis  agus  a  bha  air  an 
toirt  a  slighe  an  dorchadais. 

Ann  a  bhi  fosgladh  na  ceisd,  thuirt  an  t-Urr. 
Murchadh  Smith,  teachdaire  a'  choimhthionail, 
gun  robh  an  t-Abstol  an  so  ag  earalachadh  nan 
Ephesianach,  agus  sinne  mar  an  ceudna.  Tha 
sinn  buailteach  air  a  bhi  smuaineachadh  air 
each,  agus  a  bhi  'g  ar  fagail  fhein  a  mach.  Tha 
e  a'  comharrachadh  nan  nithean  bu  choir  a 
leantainn.  Bidh  clann  ag  atharrais  air  am 
parantan,  agus  an  seadh  ard  agus  spioradail, 
sin  an  ni  a  tha  an  t-Abstol  ag  aithne  do  na  h- 
Ephesianaich.  Fhuair  iad  eolas  air  Dia,  anns 
nach  'eil  dorchadas,  agus  's  e  an  dleasdanas  agus 
an  comain  esan  a  leantainn  mar  chlann  an 
t-soluis.  Tha  da  latha  'n  an  eachdraidh  :  uair 
eigin  'n  an  dorchadas  :  a  nis  'san  t-solus.  Tha 
an  t-eadar-dhealachadh  as  motha  eadar  solus 
agus  dorchadas,  agus  bu  choir  gum  biodh  an 


t-eadar-dhealachadh  ceudna  air  a  nochdadh 
ann  am  beatha  clann  nan  gras  agus  an  t-soluis. 
Tha  an  t-atharrachadh  a  tha  tighinn  orra  aith- 
nichte  dhaibh  fhein  :  air  aon  ni  tha  fios  agam, 
air  dhomh  bhi  dall  tha  mi  nise  faicinn.  Chan  e 
mhain  gun  robh  iad  an  dorchadas  ach  'n  an 
dorchadas.  Bha  eadhon  an  solus  'n  a  dhorcha- 
das,  agus  is  iad  a'  mhuinntir  a  fhuair  an  solus  a 
thuigeas  sin.  Ma  tha  iad  so  anns  an  t-solus  bu 
choir  gum  biodh  iad  'n  an  reultan  soilleir  :  is  e 
sin  gum  biodh  an  solus  follaiseach  agus  feumail. 
Tha  eadar-dhealachadh  soluis  ann  :  faodaidh 
fradharc  fada  bhi  aig  cuid  agus  fradharc  goirid 
a  bhi  aig  cuid  eile,  ach  is  fradharc  iad  le  cheile. 
Bidh  am  fradharc  a'  tighinn  air  adhart,  a' 
toiseachadh,  is  maith  a  dh'  fhaoidte,  le  bhi 
faicinn  "  daoine  mar  chraobhan,"  ach  bheir 
tighearna  an  t-soluis  gach  sgleo  air  falbh  bho'n 
siiilean.  Air  an  ciil  tha  an  doi'chadas  as  an 
d'thainig  iad  ach  tha  an  Tighearna  nis  dhaibh 
'n  a  lochran  d'an  cois  agus  'n  a  sholus  d'an 
ceum.    Gluaiseamaid  anns  an  t-solus,  oir  "  mar 


6 


LA  NA  CEISD 


a  ghabh  sibh  thugaibh  an  Tighearna  losa 
gluaisibh  ann."  Chan  fhaic  sinn  ni  'san 
dorchadas,  ach  anns  an  t-solus  so  chi  sinn  an 
Tighearna  agus  bidh  sinn  a'  seinn  air  a  ghloir. 

Uilleam  Domhnullach  d  Drinniseadair . 

Tha  eadar-dhealachadh  mor  eadar  dorchadas 
agus  solus.  An  uair  a  chuireas  tu  as  an  lochran 
is  ann  a  chi  thu  sin.  Ach  fuadaichidh  a'  ghrian 
an  dorchadas  air  falbh.  Tha  buaidh  eifeach- 
dach  agus  dhiibailte  aig  an  t-solus  so. 

Tha  e  an  toiseach  a'  toirt  sealladh  dhuit  ort 
fhein.  Tha  e  rithisd  a'  toirt  sealladh  dhuit  air 
a'  Chrann-cheusaidh.  Fhuair  Peadair  an  solus 
so  o  Dhia,  agus  'n  a  bhoillsgeadh  dh'  aithnich 
e  an  Slanuighear  :  "  Is  tusa  Criosd  Mac  Dhe." 
Is  e  iarrtus  clann  an  t-soluis  gum  biodh  na 
h-uile  air  an  tarruing  da  ionnsaigh.  Ni  iad  so 
fianuis  air  a  thaobh  agus  theid  iad  a  mach  air  a 
thaobh.  Tha  iad  'n  an  solus  agus  air  an  aith- 
neachadh  leis  an  t-saoghal,  mar  luchd-lean- 
mhainn  an  Tighearna  agus  sin  'n  an  diithaich, 
'n  am  baile,  'n  an  teaghlaiehean.  Tha  teas  anns 
an  t-solus  agus  tha  teas-ghradh  aca  so  da  cheile. 

Coinneach    Mac    Mhaoilean,    Misionaraidh 
Ghrabkair. 

Bu  choir  gum  faiceadh  an  saoghal  an  solus  a 
thainig  air  clann  nan  gras,  tre  shaoithreachadh 
Spiorad  an  Tighearna.  Tha  an  solus  a'  noch- 
dadh  dhaibh  an  suidheachadh  agus  'g  an  co- 
eigneachadh  gu  tighinn  gu  fear-saoraidh.  Tha 
an  t-anam  a'  faicinn  an  Tighearna  ann  an 
suidheachadh  nuadh  :  uair  eigin  gun  sgeimh 
gun  ghrinneas,  ach  a  nis  na's  maisiche  na  clann 
nan  daoine.  Tha  clann  an  t-soluis  leirsinneach. 
Tha  an  gluasad  foUaiseach. 

Tarmod  Maclomhair,  Misionaraidh  Loch- 
portain. 
Bu  mhaith  gun  robh  sinn  an  crochadh  air  an 
Spiorad  a  bha  'n  a  sholus,  gu  h-araid  aig  an  amm 
so,  chum  agus  gum  faighnicheadh  sinn  na 
nithean  a  tha  bho  Dhia.  Ma  tha  ar  cluasan 
fosgailte  bu  choir  gach  facal  a  bhi  'n  a  bheatha. 
Cha  diochuimhnich  iad  so  an  dorchadas  as  an 
d'thainig  iad.  Dh'  atharraich  iad  am  beachd. 
Tha  iad  a  nis  'n  an  solus.  Tha  cuimhne  shearbh 
aca  air  na  nithean  agus  na  suidhichidhean  a 
bha,  agus  is  e  so  toradh  an  t-soluis.  Tha  so  'g 
an  deanamh  iriosal,  taingeil,  agus  Ian  de  spiorad 
molaidh  :  "  c'ar  son  a  Thighearna  a  rinn  thu 
so  dhuinne  ?  "  Tha  iad  ag  amharc  ris  an  ti 
anns  a  bheil  an  airidheachd.  Tha  meas  aca  air 
an  t-Soisgeul,  oir  an  sin  tha  na  geallaidhean  air 
an  coimhlionadh.  Thachair  triuir  bhalach  rium 
an  diugh  agus  iad  air  an  rathad  dol  do'n  sgoil. 
Bha  am  fear  bu  mhotha  anns  a'  mheadhon  agus 
greim  aige  air  laimh  fear  air  gach  taobh.  An 
uair  a  dhluthaich  mi  ris  leig  e  as  iad  agus 
dh'aithnich  mi  nach  b'e  a  bhraithrean  fein  a 


bha  aige.  Bha  e  soilleir  dhomh  gun  robh 
faiteachas  air  a'  bhalach  a  chionn  agus  gun 
deachaidh  a  ghlacadh  ann  an  gniomh  cho 
maiseach  agus  cho  gradhach.  Bidh  sluagh  an 
Tighearna  air  uairean  anns  an  t-suidheachadh 
sin  :  naire  agus  faiteachas  a'  cur  bacadh  orra 
o  bhi  gniomhach  anns  na  nithean  bu  mhiann  le 
'n  cridhe  dheanamh.  Tha  gradh  aca  da  cheile, 
agus  tha  gloir  Dhe  ann  an  sealladh  a'  ghraidh. 

Tarmod  MacCuis. 

Tha  eeisd  air  gach  anam  an  uair  a  tha  Spiorad 
an  Tighearna  'g  an  soillseachadh.  Anns  an 
t-solus  sin  tha  iomadh  ni  'n  a  shaorsa  agus  'n  a 
dhaorsa  dhaibh.  Cha  do  dhiochuimhnich  Pol 
a  riamh  a  shuidheachadh  anns  an  dorchadas. 
Ach  is  e  Criosd  solus  an  t-saoghail,  agus  a 
mheud  agus  a  leanas  e  tha  iad  anns  an  t-solus. 
Is  e  an  solus  so  aon  de  na  nithean  a  tha  deanamh 
creutar  nuadh  dheth.  Tha  diamhaireachd  anns 
an  ath-ghineamhainn.  Tha  an  Spiorad  a'  tighinn 
le  cumhachd  a  ghluaiseas  agus  a  dh'fhosglas  an 
cridhe.  Tha  an  cridhe  a  tha  air  fhosgladh  a' 
nochdadh  truaillidheachd  an  naduir.  Tha  e 
fosgailte  do  Dhia.  Is  e  sin  fosgailte  do  ghradh 
agus  le  gradh.  Tha  am  beul  air  fhosgladh  mar 
an  ceudna,  ann  a  bhi  ag  urnuigh  ri  Dia  air  an 
son  fein  agus  chaich.  Tha  an  lamh  air  a 
fosgladh  ann  an  gradh  do  Dhia  agus  d'a  aobhar  ; 
agus  tha  mar  an  ceudna  an  tighean  agus  an 
dachaidhean  air  am  fosgladh  air  son  aoigheachd 
agus  co-chomunn  agus  co-labhairt.  Anns  gach 
seirbhis  tha  clann  an  t-soluis  sonraichte  air  son 
an  dichill  agus  an  dilseachd. 

Eachann  MacFhionghuinn. 

Is  e  latha  rannsachaidh  a  tha  an  so.  Bha 
sinn  'n  ar  dorchadas,  gun  Dia  gun  Chi'iosd  ; 
agus  'n  ar  dorchadas  do  dhaoine  eile  mar  an 
ceudna.  Tha  cuimhn'  agam  air  oidhch'  araid, 
agus  mi  air  diisgadh  as  mo  chadal.  Bha  mi  air 
mo  bhuaireadh  agus  air  mo  chriothnachadh  leis 
an  smuain  nach  f  haicinn  a'  mhadainn.  Chaidh 
mi  dh'iirnuigh.  Ciod  e  an  corr  a  b'urra  mi 
dheanamh.  Tha  sin  'n  a  chomharra  air  sluagh 
an  Tighearna.  Tha  an  neart  a'  co-sheasamh 
ann  a  bhi  tarruing  a  lanachd  Dhe  tre  chladhan 
na  h-iirnuigh.  Is  e  creutaran  a  tha  'n  so  a 
chaidh  a  dhiisgadh.  Tha  iad  a  nis  a'  faicinn 
agus  air  am  faicinn.  Tha  iad  eudmhor  air  son 
aobhar  an  Tighearna  agus  air  son  am  braithrean. 
Is  e  miann  an  cridhe  gun  robh  peacaich  a' 
pilleadh  ri  Dia.  Bidh  an  gluasad  a  reir  an 
soluis. 

Calum  (Iain)  MacLebid. 
Is  e  creutaran  a  tha  'n  so  a  tha  air  an  toirt 
beo,  agus  is  ann  do  bhrigh  sin  a  dh'eirich  agus  a 
ghluais  iad.  Tha  iarrtus  'n  an  anam  air  son 
sonas  nam  flaitheas.  Tha  iad  a'  dol  air  adhairt 
ann  an  eolas  air  an  Tighearna.     Bidh  duilghead- 


LA  NA  CEISD— ANNS  A'  CHATHAIR 


asan  agus  geur-leanmhainn  ami,  ach  "  abair  ri 
Israel  dol  air  aghaidh."  Bu  choir  gum  biodh 
mothachadh  aca  air  gradh  do  Dhia  agus  da 
cheile  :  gradh  na  cloinne,  oir  "  a  mheud  's  a 
ghabh  ris  thug  e  dhaibh  cumhachd  a  bhi  'n  an 
cloimi  do  Dhia."  Tha  an  solus  aca  so  mar 
sholus  na  coinnle.  Cha  ghabh  e  folach.  Ma'n 
labhradh  iad  so  labhradh  na  clachan  fhein. 
Tha  iarrtus  aca  air  anamaibh  a  bhi  tighinn. 
Tha  aingidheachd  'n  a  chradh  dhaibh. 

Domhnull  Caimbeul. 

Tha  cuimhne  aca  so  air  sonas  an  dorchadais  a 
dh'fhalbh,  agus  tha  so  a  nis  'n  a  ioghnadh  leo. 
Bidh  iad  'g  an  rannsachadh  fein,  agus  ged  tha 
iomadh  ni  an  sin  a  tha  'n  a  sharuchadh  dhaibh, 
gidheadh  tha  iad  a'  lorg  agus  a'  deanamh  greim 
air  dochas.  Tha  cogadh  'n  an  anam  eadar 
dorchadas  agus  solus.  Tha  'n  dorchadas  ag 
iarraidh  a  chuid  fhein  agus  tha  an  solus  a' 
fuathachadh  an  doi'chadais  :  chan  e  mhain 
fhuathachadh  ach  fa  dheoidh  bheir  e  buaidh 
air.  Cuiridh  a'  mhuilinn-fhroisidh  an  sud  am 
moll  an  dara  taobh  agus  an  gran  an  taobh  eile. 
Mar  sin  bidh  dorchadas,  aineolas,  peacadh  air 
an  cur  a  mach,  ach  fanaidh  creideamh,  dochas, 
srradh. 


An  co-dhunadh. 

Mar  a  dh'iarr  teachdair  a'  choimhthionail, 
rinn  mise  oidhirp  air  a  bhi  sgioblachadh  suas  na 
bha  air  a  radh.  Tha  sgioblachadh  ann  an  seadh 
na's  fhaisg  air  brigh  na  ciiis  na  diinadh.  Cha 
ghabh  ceisd  a  dhiinadh  ;  oir  a  dh'aindeon  agus 
na  chluinn  sinn  bho  na  braithrean  bidh  sinn  a' 
ceasnachadh.  Cha  chuir  ceisd  ach  neach  a  tha 
'g  iarraidh  eolas,  agus  an  uair  a  tha  an  t-eolas 
co-cheangailte  ri  gras  agus  gradh  an  Tighearna 
tha  cheisd  sin  beannaichte.  Cha  bhi  sinn  sona 
gus  am  faigh  sinn  sinn  fein  an  cridhe  an 
t-soluis.  Bidh  a'  chuileag  ud  ag  itealaich  mun 
cuairt  agus  mun  cuairt  ach  cha  stad  i  gus  am 
faigh  i  'n  a  mheadhon.  Tha  an  solus  ud  mar  a 
tha  solus  an  t-saoghail,  a  chum  bais,  ach  an 
solus  so  a  chum  beatha.  Tha  an  dorchadas  'n 
a  chuis  eagail,  agus  uime  sin  bidh  an  t-anam  a' 
sior  iarraidh  armachd  an  t-soluis.  Tha  fas  nan 
gras  agus  maise  na  diadhachd  ri  fhaicinn  air 
clann  an  t-soluis.  Chan  'eil  anns  an  dubhar  ach 
seachdadh  agus  bas. 

Is  grian  's  is  sgiath  lehobhah  Dia, 

Is  bheir  e  gras  is  gloir  ; 
'S  cha  chum  e  maith  air  bith  o'n  dream, 

Ghluaiseas  gu  direach  coir. 

L.  McL. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  ghoirid  bha "iomradh  air  a  dhea- 
namh  anns  na  paipearan-naigheachd  air  gille 
6g  a  chuir  lamh  ann  am  beatha  a  mhathar  los 
crioch  a  chur  air  a  fulangas.  Bha  galair  oirre 
nach  gabhadh  leigheas  ;  thug  na  dotairean 
suas  i,  is  bha  plan  a  cuirp  air  uairean  a'  dol  thar 
tomhais.  Bha  cridhe  a'  ghille  air  a  ghoir- 
teachadh  le  bhi  faicinn  a  mhathar  a'  fulang, 
agus  mu  dheireadh  ghabh  e  an  lagh  'na  laimh 
fein  is  chuir  e  crioch  oirre. 

An  sin  chuir  an  lagh  laixih  air  fhein  ;  bha  e 
air  a  thoirt  air  beulaobh  breithimh  is  diuraidh, 
ach  ged  bha  e  air  a  dhearbhadh  gu  soilleir  gu'n 
do  mharbh  e  a  mhathair  (dh'  aidich  e  gu  saor 
e)  cha  d'  fhuair  an  diuraidh  ciontach  e.  A' 
cheud  uair  a  chuir  iad  an  cinn  ri  cheile  dh' 
fhoighnich  iad  de'n  bhreitheamh  am  biodh  an 
gille  air  a  pheanasachadh  na'n  abradh  iad  gu 
robh  e  ciontach.  Thubhairt  am  breitheanih 
riu  nach  b'e  sin  an  gnothuch-san  ;  nach  b' 
urrainn  e  gealladh  a  thoirt  daibh  a  thaobh  na 
codach  sin,  agus  nach  robh  fodhpa  ach  an 
dleasdanas  a  dheanamh  agus  a  radh  co  dhiu 
a  bha  am  priosanach  ciontach  no  nach  robh. 
An  uair  a  chual  an  diuraidh  sin  thug  iad  gu 
h-aon-sgeulach  a'  bhinn  so  air  a'  ghille,  nach 
robh  e  ciontach. 

Thachair  an  rud  so  anns  an  Fhraing,  ach  dh' 
fhaodadh  e  tachairt  am  Breatunn  ;  tha  na 
miltean  anns  an  duthaich  so  a  bhiodh  ann  an 


iom-chomhairle  mar  bha  an  diiiraidhFhYanga.ch 
na'm  biodh  aca  ri  breith  a  thabhairt  ann  an  ciiis 
de'n  t-seorsa  ud.  Tha  ceistean  'g  am  fosgladh 
as  ur  an  diugh  a  shaoil  sinn  a  bha  diiinte  agus 
socruichte  gu  brath,  ach  ciod  air  bith  an  doigh 
anns  an  togar  a'  cheist  so  cha  n'eil  teagamh  air 
bith  agam-sa  nach  robh  an  doigh  a  ghabh  an 
gille  ud  cearr,  cho  cearr  's  nach  'eil  feum  do 
dhaoine  argumaid  a  dheanamh  uime. 

An  uair  a  their  daoine  gu'm  bu  choir  do 
dhotairean,  ma  tha  fhios  aca  nach  teid  duine 
na's  fhearr  agus  nach'eil  air  thoiseach  air  ach 
pian  ciurp  a  dh'  oidhche  's  a  la, — gu'm  bu  choir 
daibh  rud-eigin  a  thoirt  da  a  leigeadh  a  shiubhal 
dha  gu  h-obann  an  sith,  cha  n'eil  iad  a'  tuigsinn 
gu  ceart  ciod  a  tha  iad  ag  radh.  Tha  dreach 
na  ceille  agus  coslas  a'  choibhneis  air  an  cainnt 
ach  air  a  shon  sin  tha  am  puinnsean  'nan 
teagasg.  Tha  iad  a'  toirt  diilain  do  ghliocas 
nan  ginealan  agus  do  theagasg  na  Firinn. 

Cha  n-urrainn  dotair  no  duine  eile  beatha  a 
thabhairt  agus  mar  sin  cha  n'eil  coir  air  bith 
againn  beatha  a  thoirt  air  falbh.  Buinidh  sin 
do  Dhia  a  ntihain. 

Co  a  ghabhadh  air  fein  a  radh  c'uin  a  tha  an 
t-am  ann  duine  tinn  a  chur  a  chadal  gu  sior- 
ruidh  ?  Ni  na  dotairean  mearachd  cho  mhaith 
ri  daoine  eile  ;  tha  na  ceudan  an  diugh  beo 
agus  air  cheann  an  gnothuich  a  bha  air  an  toirt 
suas    le    dotairean.     Dh'    innis    dotair    (dotair 


8 


ANNS  A^  CHATHAIR 


maith  cuideachd)  dhomh-sa  uair-eigin  gu  robh 
duine  sonraichte  anns  a'  choimhthional  agam 
cho  dona  le  rud  a  bha  fas  's  an  stamaig  aige,  's 
nach  rachadh  e  gu  brath  na  b'  fhearr  ;  gu'm 
faodadh  e  mairsinn  se  miosan  ach  nach  maireadh 
an  corr.  Tha  tri  bliadhna  deug  bhuaith  sin  ach 
tha  an  duine  beo  fhathast.  Tha  an  dotair 
marbh  ;  la  an  tiodhlacaidh  aige  chuir  e  da 
rireadh  gu  smuaineachadh  mi  an  uair  a  mho- 
thaich  mi  an  duine  a  bha  air  a  thoirt  suas  leis 
deich  bhadhna  roimhe  sin  'na  sheasamh  am 
measg  na  cuideachd  a  bha  cruinn  mu'n  uaigh. 
Ged  nach  biodh  na  dotairean  ceari*  ach  uair  's 
a'  mhile  bu  leoir  sin  fhein  a  chumail  bhuapa 
cumhachd  nach  buin  do  neach  mearachdach. 

Tha  deuchainnean  gu  leoir  ann  am  beatha 
dhotairean  gun  an  t-uallach  eagallach  so  a  bhi 
air  a  chur  air  an  guaillean,  agus  a  dh'  innseadh 
na  firinn,  is  e  na  dotairean  fhein  na  daoine  as 
laidire  a  tha  seasamh  an  aghaidh  nana  beachdan 
lira  so  a  tha  faotainn  greim  air  inntinnean 
dhaoine,  gu'm  bu  choir  crioch  a  chur  air 
fulangas  dhaoine  tinne  an  uair  nach  'eil  dochas 
ri  feabhas.  Cha  tug  iad  riamh  gnuis  do'n  rud 
so  ;  ni  iad  na  ghabhas  deanamh  gus  pian 
dhaoine  aotramachadh  ach  cha  n-eisd  iad  ri 
athchuinge  dhaoine  amaideach  a  dh'  iarras 
orra  laithean  duine  a  ghiorrachadh. 

Tha  daoine  air  fas  cho  bog  an  diugh  's  gu 
bheil  eagal  aca  roimh  phian  nach  'eil  aca  roimh 
'n  bhas  fhein.  Ach  tha  fichead  rud  anns  an 
t-saoghal  as  miosa  na  pian  cuirp.  Ged  tha 
pian  duilich  a  ghiiilan,  agus  ged  nach  toigh 
leinn  a  bhi  faicinn  neach  air  a  bheil  gaol  againn 
a'  fulang,  tha  pian  air  uairean  feumail,  ag 
oibreachadh  toradh  siochail  na  fireantachd 
annta-san  a  tha  'g  a  ghiiilan  gu  faighidinn- 
each. 

Gle  bhitheanta  cluinnear  an  fheadhainn  a 
tha  timchioll  air  leabaidh-bhais  neach  a  tha 
fulang  ag  radh,  O,  nach  robh  so  thairis  !  tha  e 
a'  gortachadh  ar  cridhe  a  bhi  ' ga  fhaicinn  a' 
fulang.  Co  as  a  tha  an  glaodh  sin  a'  tighinn  ? 
Air  uairean  tha  e  a'  tighinn  o  ghaol  agus  o 
thruacantas  a'  ghaoil,  ach  air  uairean  eile  tha 
e  a'  tighinn  o  fhior  fheinealachd  ;  feinealachd 
dhaoine  leis  am  b'  fhearr  an  cairdean  a  ghreasad 
a  steach  do'n  t-siorruidheachd  seach  an  cridh- 
eachan  no  am  faireachduinnean  fein  a  chradh 
le  comh-fhulangas. 

Tha  seorsachan  ann  de  ghalair-bais  a  tha 
deuchainneach  is  piantail,  ach  na'n  ceasnaich- 
eadh  tu  na  daoine  a  tha  fulang  is  e  aon  as  a' 
mhile  dhiubh  a  roghnaicheadh  gu'm  biodh 
tomhas  an  laithean  air  a  ghiorrachadh.  Is  ann 
de  ghliocas  an  Tighearna  a  tha  e  gu  bheil  a 
bheatha  cho  mills  do  mhac  an  duine  's  gur 
maith  leis  a  bhi  beo  eadhon  ged  bhiodh  a  chorp 
air  chrith  le  pian.  Tha  aobhar  aig  daoine  a  bhi 
taingeil  gu  bheil  iomadh  doigh  ann  a  nis  air 
pian   a'   chuirp    aotramachadh,   ach   ged   nach 


bitheadh  idir,  bhiodh  e  fhathast  mar  fhiachaibh 
oirnn  feitheamh  gu  faighidinneach  ris  an  uair 
a  dh'orduich  Dia  dhuinn. 


An  la  roimhe  bha  mi  fhein  agus  coimhears- 
nach  diadhaidh  a'  bruidhinn  air  a'  bhas  agus 
sinn  a'  tighinn  dachaidh  o  thiodhlacadh  ;  am 
measg  rudan  eile  air  an  robh  sinn  de  'n  aon 
bheachd  bha  sinn  aontaichte  uime  so,  nach  'eil 
eagal  a'  bhais  air  daoine  an  diugh  mar  bha  e 
orra  uair-eigin  de'n  t-saoghal.  Ciod  is  aobhar 
dha  sin  ?  Theagamh  gu  bheil  iomadh  aobhar 
a'  comh-oibreachadh  ri  cheile  gus  eagal  a' 
bhais  a  thoirt  air  falbh,  ach  tha  mise  an  diiil 
gur  e  so  an  t-aobhar  as  motha,  jiach  'eil  daoine 
an  diugh  a'  ioirt  smuain  air  a  bhas  ach  gle 
annamh.  Cha  n-e  mhain  nach  'eil  am  bas  'n 
an  smuaintean  uile  ach  cha  n'eil  e  ann  an  gin 
dhiubh.  Tha  an  saoghal  a'  dol  air  aghaidh  aig 
a  leithid  de  astar  (na  speuran  anns  a'  mhaduinn 
a'  sileadh  phaipearan-naigheachd  agus  anns  an 
oidhche  a'  sileadh  dhealbhan)  's  nach  'eil  uine 
aig  daoine  smuaineachadh  eadhon  air  nithean 
as  dluithe  dhaibh  na'ixi  bas. 

Ach  do  dhaoine  tiirail  glic  tha  am  bas  an 
diugh  fhathast  mar  bha  e  riamh ;  is  e  an 
namhaid  dheireannach  is  diiisgidh  a  theachd 
soluimteachd  is  eagal.  Mar  is  airde  na  creu- 
tairean  anns  a'  chruthachadh  is  ann  is  mo  a 
tha  eagal  aca  roimh  'n  bhas.  Na  creutairean 
as  isle  theid  aca  air  sealltainn  air  creutair 
marbh  d'an  seorsa  fein  gun  chomharradh  air 
bith  gu  bheil  an  sealladh  a'  cur  eagail  orra. 
Ach  na  creutairean  as  airde,  eadhon  ged  nach 
'eil  reuson  aca,  gabhaidh  iad  eagal  an  lathair 
aon  dhiubh  fein  a  tha  marbh.  Thoir  an  aire 
do  chu  no  do  mhart  no  do  each,  agus  chi  thu 
a'  gheilt  agus  a'  chrith  a  chuireas  corp  marbh 
d'an  seorsa  fein  orra. 

B'abhaist  do'n  Ollamh  Mac  Iain  a  bhi  ag 
radh  gu  robh  duine  air  bith  a  theireadh  nach 
robh  eagal  air  roimh  'n  bhas  ag  innseadh  nam 
breug.  Bha  uamhas  air  fhein  roimh  'n  bhas, 
ach  ged  nach  bu  mhaith  leinn  daoine  a  bhi 
fulang  leis  an  eagal  sin  mar  dh'  fhuiling  esan, 
tha  e  nadurra  gu  leoir  gu'm  biodh  fiamh  roimh 
'n  bhas  air  na  h-uile.  Ach  a  thaobh  sluagh  an 
Tighearn  cha  n'eil  am  fiamh  sin  ach  'n  am  feoil, 
oir  tha  dearbhachd  aca  'n  an  inntinn  agus  'n 
an  spiorad  gur  fhearr  la  am  bais  'n  a  la  am 
breith. 

O  biodh  an  uaigh  'n  a  leaba  thaimh 

dhomhfein,  gu  la  mo  Thriath, 
'S  an  eirich  mi  gu  h-aoibhneach  suas 

le  naomh  shluagh  maiseach  Dhia. 

'S  an  dochas  ait  le  foighid  mhoir, 

feithidh  mi  brdugh  Neimh, 
A  thig  's  an  am  a  shbnraich  Dia 

an  triall  mi  thuige  fein. 


Air 


930 


Criosd  air  a  Chrunadh 


Air  a  elieann  bha  moran  rhrun." — Taisbean  xix.  12. 


Tha  'n  Ceann  bha  criiint'  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  Is  riomhach  snuadh 

Mu'n  bhathais  bhuadhaich  mhoir. 

AN  uair  a  sgriobh  Eoin  mu  na  nithean  ard 
agus  iongantach  a  bha  air  am  foillseachadh 
dha  an  eilean  Phatmois  cha  robh  duine  eile 
beo  a  chunnaic  aodann  losa  Chriosd  ach  e  fein. 
Faodar  a  bhi  cinnteach,  ma  ta,  gu'm  biodh  na 
creidmhich  oga  aims  an  eaglais,  an  uair  a 
gheibheadh  iad  cothrom,  a'  foighneachd  dheth 
qo  ris  a  bha  Criosd  coltach  ;  ciod  an  dath  a  bha 
air  fhalt  agus  air  a  shiiijean,  agus  ciod  an  coslas 
a  bha  air  aghaidh.  Ach  ma  bha  seanchas 
Eoin  coltach  r'a  leabhraichean  chan  fhaigheadh 
ha  ceistean  sin  freagairt  bhuaidhe,  oir  cha  be 
sin  idir  na  nithean  mu  thimchioll  Chriosd  a  bha 
air  aire.  Chan  'eil  aon  fhacal  anns  na  leabh- 
raichean sin  mu  choslas  Chriosd  ann  an  laithean 
fheola  ;  chaidh  sin  uile  as  an  t-sealladh,  agus 
o'n  la  anns  am  faca  e  an  Tighearn  ann  am 
Patmos  stad  e  de  bhi-smuaineachadh  uime 
mar  b'aithne  dha  e  anns  an  fheoil,  agus  thoisich 
e  air  f  haicinn  agus  air  smuaineachadh  uime  mar 
tha  e  ann  an  rioghalachd  a  chumhachd  agus 
ann  an  dealradh  a  ghloire.  "  Bha  a  shiiilean 
tnar  lasair  theine,  agus  air  a  cheann  bha  moran 
phriin." 

Tha  'n  Ceann  bha  criiint'  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  is  riomhach  snuadh 

Mu'n  bhathais  bhuadhaicli  mhoir. 

An  uair  mu  dheireadh  a  chunnaic  Eoin 
Criosd  bha  criin  droighinn  air  a  cheann  ;  bha 
f  air  a  dhimeas  agus  air  a  chur  air  chid  le 
4aoine  ;  air  a  dheanamh  'n  a  mhasladh  dhaoine 
agus  'na  thair  an  t-sluaigh.  Ach  an  uair  a 
phunnaic  e  Criosd  ann  am  Patnios  cha  b'e 
droighionn  idir  a  bha  air  a  cheann,  ach  coron 
rioghail  air  a  ghreiseadh  le  neamhnaidean 
luachmhor  is  lionmhor,  an  crun  agus  na  neamh- 
paidean  sin  a'  samhjachadh  na  buadha  a 
choisinn  e  agus  an  inbhe  ghlormhor  a  rainig 
e  air  deas  laimh  Dhe.  "  Is  leat-sa,  O  Thigh- 
earna,  a'  mhorachd,  agus  an  cumhachd,  agus 
a'  ghloir,  agus  a'  bhuaidh,  oir  is  leat  na  h-uile  a 
tha  air  neamh  agus  air  thalamh  :  is  leat  an 
poghachd,  agus  tha  thu  air  d  ardachdadh  mar 
cheann  thar  nan  uile." 

Tha  'n  Ceann  bha  criiinte  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  is  riomhach  snuadh 

Mu'n  bhathais  bhuadhaich  mhoir. 


Bhiodh  e  maith  do'n  eaglais  na'n  cumadh  i 
fa  chomhair  a  h-inntinn  daonnan,  gur  e  an 
Tighearna  ard  agus  glormhor  so  a  Ceann, 
neach  aig  a  bheil  gach  cumhachd  air  neamh 
agus  air  thalamh,  a  thug  buaidh  air  gach 
namhaid  a  thachair  riamh  air,  agus  a  theid  air 
aghaidh  o  bhuaidh  gu  buaidh  gus  an  toir  e  suas 
an  rioghachd  do  Dhia  an  t-Athair,  an  uair  a 
chuireas  e  as  do  gach  uile  uachdaranachd,  agus 
gach  uile  ughdarras,  agus  chumhachd.  Oir  is 
eigin  gu'n  rioghaich  e  gus  an  cuir  e  a  naimhdean 
uile  fo  a  chasaibh.  Bhiodh  e  maith  do'n 
eaglais  na'n  cumadh  i  fa  chomhair  a  h-inntinn 
daonnan  gu  bheil  an  Gaisgeach  buadhmhor  so 
maille  rithe  a  ghnath,  ceann-iiiil  agus  uachdaran 
a  shluaigh  ;  agus  do  bhrigh  gu  bheil  esan 
maille  rithe  nach  ruig  i  a  leas  eagal  a  bhi 
oirre  roimh  airm-chogaidh  fheolmhor  no  roimh 
chumhachdan  an  t-saoghail.  Mur  bheil  sinn 
a'  faicinn  Chriosd  ach  mar  bha  e  ann  an  laithean 
fheola,  ann  an  laigse  a  dhaonnachd  agus  ann 
an  staid  irioslachd  ;  ma  tha  ar  siiilean  cho 
teann  teannaichte  ris  a'  chrann-cheusaidh  's 
nach  leir  dhuinn  rud  fo'n  ghrein  ach  sin  fhein, 
chan  'eil  sinn  a'  faicinn  no  tuigsinn  ach  fior 
bheagan  de'n  aird  agus  de'n  doimhneachd  a 
tha  ann  an  Criosd.  Mur  leir  dhuinn  e  ach  'na 
bhochdainn  do-rannsaichte  tha  sinn  a'  call  na 
misnich  agus  na  h-earbsa  laidir  a  bha  aig  Eoin 
an  uair  a  chunnaic  e  Criosd  air  a  chrunadh  air 
a  righ-chaithir,  agus  an  t-ainm  sgriobhta  air  a 
thrusgan  agus  air  a  leis,  Rhgh  nan  Righrean 
agus  Tighearna  nan  Tighearnan. 

Cha  diith  do'n  eaglais  no  do  chreidmhich 
aig  a  bheil  gaol  air  ainm  Chriosd  a  bhochdainn 
no  laithean  a  bhochdainn  a  dhichuimhneachadh ; 
fhulangas  agus  a'  chriin-droighinn  leis  an  do 
nochd  e  do'n  t-saoghal  an  truacantas  agus  an 
coibhneas  agus  an  gradh  do  chloinn-daonna  a 
bha  'n  a  chridhe,  ach  ged  b'aithne  dhuinn 
Criosd  a  reir  na  feola  gidheadh  a  nis  cha  n- 
aithne  dhuinn  e  na's  mo  a  reir  na  feola  ach  ann 
an  cumhachd  a  dhiadhachd  agus  tre  mhinis- 
trealachd  a  spioraid.  Chan  ann  do  Chriosd 
marbh  a  tha  an  eaglais  a'  deanamh  aoraidh  ach 
do  Shlanuighear  beo,  Slanuighear  a  tha  marbh 
ach  a  tha  beo,  agus  a  bhios  beo  gu  saoghal 
nan  saoghal  ;  aig  a  bheil  rioghachd  is  uach- 
dranachd  air  nach  tig  ceann  no  crioch. 

Cho  f  had  agus  a  chumas  an  eaglais  fa  chomh- 
air a  h-inntinn  an  sealladh  so  a  chunnaic 
Eoin,  Criosd  air  ardachadh  agus  air  a  chriinadh, 


10 


CRIOSD  AIR  A  CHBtJNADH— ANNS  A'  CHATHAIR 


bithidh  moladh  is  gairdeachas  'n  a  h-aoradh 
agus  bithidh  earbsa  laidir  aice  gu  bheil  e 
comasach  do  Dhia  a  shluagh  a  ghleidheadh 
anns  gach  teinn.  Anns  na  laitheaii  anns  an 
robh  Eoin  beo  bha  droch  ghiullachd  air  a 
dheanamh  air  na  Criosduidhean,  oir  bha  Nero 
air  a'  chriin,  ana-Criosduidh  uamhasach  aig 
an  robh  toil  agus  comas  na  creidnihich  a 
sharuchadh.  Bha  an  comas  aige  oir  bha  an 
saoghal  uile  fo  chomannd  aige  ;  is  bha  an  toil 
aige  oir  bha  gamhlas  is  fuath  aige  do  na  Crios- 
duidhean 'n  a  chridhe.  Bha  grain  aige  orra  a 
chionn  gu  robh  ionracas  is  irioslachd  am  beatha 
a'  cronachadh  a  dhroch  ghniomharra  fein. 
Cha  robh  e  toilichte  leis  na  seann  doighean  air 
an  cur  gu  bas  ;  fhuair  e  a  mach  doighean  lira  ; 
bhiodh  e  a'  toirt  air  coin  an  itheadh  beo. 

Am  measg  thrioblaidean  nan  laithean  ud  bha 
Eoin  a'  feuchainn  ri  comharraidhean  na  h- 
aimsire  a  leughadh  ach  cha  bu  leir  dha  aon 
bhriseadh  no  coslas  sgaoilidh  air  na  neoil 
thiugha  dhorcha.  An  .aite  fiughair  a  bhi  aige 
gu  rachadh  cor  nan  Criosduidhean  am  feabhas 
is  ann  a  bha  eagal  air  gum  fasadh  cuisean 
na  bu  mhiosa,  ach  cha  do  chaill  e  a  mhisneach 
is  cha  do  lagaich  a  chreideamh,  oir  thog  e  suas 
a  shiiilean  os  cionn  an  dorchadais  a  bha  air 
thalamh,  is  chunnaic  e  neamh  air  fhosgladh, 
agus  feuch  Righ  a  bu  chumhaehdaiche  na  Nero, 
a'  riaghladh  ann  am  fireantachd,  a  shiiilean  mar 
lasair  theine  agus  moran  chriin  air  a  cheann. 

Tha  'n  Ceann  bha  criiinte  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  is  riomhach  snuadh 

Mu'n  bhathais  bhuadhaich  mhoir. 

Sin  an  aon  sealladh  a  chuireas  misneach  agus 
faighidinn  ann  an  cridhe  na  h-eaglais,  no  ann  an 
cridheachan  sluagh  an  Tighearna,  an  uair  a 
dh'  eireas  geur-leanmhuinn  agus  a  dh'  fheumas 
iad  cathachadh  gu  fuil  air  son  an  creidimh. 
Tha  an  Tighearna  a'  rwgkachadh  ;  deanadh 
na  naoimh  iolach. 

Tha  Dia  a'  gairm  a  shluaigh  gu  cogadh  a 
dheanamh  gun  sgur  an  aghaidh  an  t-saoghail, 
an  aghaidh  na  feola,  agus  an  aghaidh  an 
Diabhoil  ;  tha  e  a'  gairm  na  h-eaglais  gus  an 
saoghal  uile  a  chosnadh  do  Chriosd.     Co  a  tha 


foghainteach  air  son  a'  chogaidh  sin  ?  Co 
an  duine,  no  c6  an  eaglais  a  ghabhadh  an 
obair  sin  os  laimh  mur  biodh  earbsa  aca  gu 
bheil  cumhachd  air  an  ciilaibh  as  laidire  na 
uile  chumhachdan  an  t-saoghail,  an  Criosd  a 
bha  aon  uair  criiinte  le  droighionn  ach  a  tha 
nis  criiinte  le  gloir  agus  urram  air  deas  laimh 
an  Athar.  Co  sinne  gu'm  bitheamaid  an  duil 
gu'n  coisinn  sinn  an  saoghal  uile  do  Chriosd  ? 
Cha  n-ann  annain-ne  a  tha  an  cumhachd  ach 
ann  fein  ;  anns  an  t-Slanuighear  a  bhaniarbh 
ach  a  tha  beo  agus  a  bhitheas  beo  gu  siorruidh. 

Tha  'n  Ceann  bha  criiinte  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  is  riomhach  snuadh 

Mu'n  bhathais  bhuadhaich  mhoir. 

An  uair  a  bhios  an  eaglais  a'  call  a  misnich 
ri  aghaidh  nan  daoine  agus  nan  nithean  a  tha 
'gan  ardachadh  fein  an  aghaidh  Dhe  agus  a 
rioghachd,  no  a  thoisicheas  a  muinntir  fein  air 
ciil-shleamhnachadh  a  chionn  gu  bheil  an  eud 
a'  fuarachadh,  chan  'eil  doigh  eile  as  fhearr  air 
a  misneach  agus  a  creideamh  iirachadh  na  a 
siiilean  a  shocruchadh  air  an  Righ  ghlormhor 
so  a  chunnaic  Eoin,  a  shiiilean  mar  lasair  theine 
agus  moran  chriin  air  a  cheann,  anrigh  a  tha  dol 
a  mach  air  cheann  a  shluaigh  ann  am  morachd 
a  neirt.  Cha  tig  failinn  no  briseadh  air  gus  an 
suidhich  e  breitheanas  air  an  talamh,  agus 
feithidh  na  h-eileanan  air  a  lagh. 

Ged  nach  'eil  sinn  a'  faicinn  nan  uile  nithe 
fathast  air  an  cur  fo  cheannsal  Chriosd  gidheadh 
is  e  sin  an  ceann-uidhe  gus  a  bheil  an  cruth- 
achadh  uile  agus  eachdraidh  an  t-saoghail  so 
a'gluasad,  gu'm  biodh  na  h-uile  nithe  air  an  cur 
fo  a  chasaibh,  gu'm  biodh  rioghachdan  an 
t-saoghail  air  an  deanamh  'n  an  oighreachd 
dha,  agus  gu'n  rioghaicheadh  e  gu  saoghal  nan 
saoghal. 

Tha  'n  Ceann  bha  criiinte  le  droighionn  cruaidh 

Nis  cuairtichte  le  gloir, 

'S  tha  coron-righ  is  riomliach  snuadh 

Mu'n  bhathais  biiuadhaich  mhoir. 

Gach  treubh  no  cinneach  no  diithaich  a  tha 
air  an  iompachadh  leis  an  t-soisgeul,  sin  seud 
eile  air  a  chur  an  criin  Chriosd. 


Anns  a'  Chathair 


THA  aon  fhacal  ann  a  tha  trie  air  bilean 
dhaoine  anns  na  laithean  so,  agus  gu  son- 
raichte  air  bilean  na  h-6igridh,  gu  bheil  sinn  an 
diugh  ann  an  saoghal  Mr.  Sin  a'  chlach-mhullaich 
a  chuireas  iad  air  argumaid  air  bith  a  bhios 
iad  a'  deanamh,  agus  an  lethsgeul  a  ghabhas 
iad  air  son  cleachdanna  agus  creideamh  an 
aithrichean  a  chur  air  chill,  gu  bheil  sinn  an 
diugh  ann  an  saoghal  tir.  Ma  theid  thu  ann 
an  argumaid  riu  mu  riaghladh  na  rioghachd,  no 


mu  chuisean  creidimh,  no  mu  choimhead  na 
Sabaid,  ma  bhios  an  argumaid  a'  dol  'n  an 
ao-haidh,  leumaidh  iad  a  dh'  ionnsuidh  an  f  hacail 
so  mar  gu'm  biodh  e  a'  cur  crioch  air  gach  uile 
chonnsachadh,  Tha  sinn  an  diugh  ann  an  saoghal 
iir. 

Chan 'eil  e  furasd  a  radh  le  cinnt  ciod  a  tha 
dol  air  aghaidh  ann  an  inntinnean  dhaoine  oga 
anns  na  bliadhnachan  so,  ach  co  dhiu  tha  iad 
fein   ag   innseadh   dhuinn   gun   sgur   gu   bheil 


ANNS  A'  CHATHAIR 


11 


mii^hadh  mor  eadar  an  saoghal  an  diugh  agus 
an  saoghal  anns  an  do  riigadh  am  parantan  ; 
gu  bheil  na  clachan-criche  a  chiiir  na  seann 
diadhairean  agus  seann  luchd-teagaisg  eile  suas 
air  an  atharrachadh  an  diugh,  agus  mar  sin  nach 
'eil  e  mar  fhiachaibh  orra-san  cleachdanna  no 
creideamh  an  aithrichean  a  leantuinn,  no  am 
beatha  a  riaghladh  mar  bha  daoine  a'  deanamh 
roimh  am  a'  chogaidh. 

Tha  na  smuaintean  sin  a'  sgiathalaich  air 
feadh  na  rioghachd  air  fad  o  chionn  bhliadh- 
nachan,  ach  tha  iad  a'  tuineachadli  gu  son- 
raichte  ann  an  cinn  dhaoine  oga,  gun  do 
thachair  rud-eigin  a  thilg  htm  os  cionn  an  creideamh 
agus  na  beachdan  a  hha  aig  daoine  roimh  191  i. 
agus  gu  m  feumar  ceistean  a  shaoil  sinn  a  hha  duinte 
fhosgladh  as  iir.  Tha  an  oigridh  a'  faireachduinn 
gu'n  deachaidh  na  seann  nithean  seachad  agus 
gu  bheil  iad  ann  an  saoghal  iir,  saoghal  anns 
nach  h-urrainn  daibh  an  cursa  a  stiuradh  leis  na 
seann  chomharran. 

Tha  mise  a'  cluinntinn  an  t-seanchais  so  o 
chionn  deich  bliadhna,  is  tha  mi  a'  leughadh 
rud-eigin  coltach  ris  a  h-uile  jatha  de  mo 
bheatha  ;  ann  am  paipearan-naigheachd  agus 
ann  an  leabhraichean  ;  ann  an  oraidean  buill 
na  Parlamaid  agus  ann  an  searmoin  mhinis- 
tearan,  gu  bheil  sinn  an  diugh  ann  an  saoghal 
iir,  agus  gu'm  feum  sinn  na  seana  smuaintean 
agus  na  seana  bheachdan  a  bha  'n  ar  n-inntinnean 
a  sguabadh  asda,  mar  gu'm  biodh  tu  a'  sguabadh 
linn  an  damhain-alluidh  bharr  nan  sparran. 

Tha  sinn  a'  cluinntinn  so  cho  trie  agus  ann 
an  guth  cho  laidir  's  gu  bheil  e  a'  toiseachadh 
air  driidhadh  a  dheanamh  oirnn,  agus  is  e  a' 
bhuaidh  a  tha  aige  air  ar  n-inntinnean  gu  bheil 
e  a'  diisg-adh  teaffamh  is  iom-chomhairle  armta, 
mar  nach  b'  urrainn  duinn  a  bhi  cinnteach  mu 
rud  air  bith,  agus  mar  nach  robh  ceist  air  bith 
diiinte,  no  cuis  air  bith  socruichte  cheana  anns 
an  t-saoghal  iir  so  a  tha  sinn  air  dol  a  steach  ann. 

Ciod  air  bith  a  their  thusa,  a  leughadair,  ris 
na  daoine  a  bhios  a'  labhairt  mar  so,  tha  mise 
air  fas  seachd  sgith  dhiubh,  is  theirinn  ri  daoine 
eile  a  bhi  'n  an  earalas  orra,  a  chionn  nach  'eil 
bun  no  barr  n  an  seanchas.  An  uair  a  chi  no 
chluinneas  tu  duine  air  bith  a'  leigeil  thairis  rian 
is  reuson  ann  an  argumaid  agus  a'  toiseachdh 
air  glaodhach  gii  hheil  sinn  an  diugh  ann  an 
saoghal  iir,  biodh  fhios  agad  gu  bheil  e  a' 
dorchadh  comhairlelebrialhran  air  l)heagseadh. 

Tha  nithean  sonraichte  a'  lionadh  a  shiil  air 
chor  agus  nach  urrainn  da  dad  eile  fhaicinn  ; 
an  cogadh,  teagasg  Dharwin,  teagasg  luchd- 
ealdhain  mu'n  chruthachadh,  ionghnaidhean  an 
mireless,  agus  rudan  eile  mar  sin,  is  tha  e  an 
diiil  gun  d'  atharraich  na  nithean  sin  an  saoghal 
cho  mor  's  nach  eil  gliocas  no  fiosrachadh 
spioradail  nan  linntean  a  dh'  fhalbh  gu  feum 
air  bith  tuilleadh. 

Sin  beachd  ris  nach  cuireadh  duine  tiirail  air 


bith  aonta,  ach  air  a  shon  sin,  tha  am  beachd  so 
a'  sgiathalaich  am  measg  dhaoine  oga  an  diugh, 
gu7i  do  thachair  rud-eigin  hho  thoiseach  a'  chogaidh 
a  hheir  air  daoine  airneis  iir  a  chur  'n  an  inntinnean 
agus  an  t-seann  airneis  a  chur  air  an  diinan,  mar 
bhiodh  gobha  Chille-sgumain  a'  deanamh  air 
seann  iarunn  is  seana  chruidhean  anns  nach  robh 
tuilleadh  feuma. 

A  bheil  so  fior  ?  Agus  ciod  a  tha  iad  a' 
ciallachadh  ?  Chan  'eil  e  fJor  ;  is  chan  'eil  fhios 
aca  fein  gu  ro  mhaith  ciod  a  tha  iad  a'ciallachadh. 
Chan  'eil  ann  ach  lethsgeul  leis  a  bheil  iad  a' 
folach  uapa  fein  gu  bheil  iad  gun  chairt,  gun 
chombaist,  gun  aeraichean. 

Tha  crioch  araidh  mhic  an  duine  agus  na 
dleasdanasan  mora  a  bhuineas  dha  an  diugh 
fhathast  mar  bha  iad  riamh  ;  cha  tainig  athar- 
rachadh air  bith  orra,  is  chan  'eil  teagamh  umpa. 

Cha  d'  atharraich  nadur  mhic  an  duine.  Tha  na 
ceart  iarrtusan  agus  na  ceart  aignidhean  agus 
na  ceart  fhaireachduinnean  ann  an  diugh  a  bha 
ann  o  chionn  mile  bliadhna.  An  uair  a  ghabhas 
duine  ann  an  Cille-sgumain  an  fhearg,  no 
ghabhas  e  gaol  air  nighinn,  ni  e  na  ceart  rudan 
neonach  is  gorach  a  dheanadh  duine  ann  am 
Babilon  ann  an  6g-mhaduinn  an  t-saoghail. 

Cha  d'  atharraich  laghannan  na  h-inntinn.  Cha 
n-urrainn  rud  a  bhi  ceart  is  cearr,  f\or  is  breu- 
gach,  aig  an  aon  am,  an  diugh  na's  mo  na'n  de. 

Cha  d'  atharraich  clar  na  cunntais,  no  mar 
theirear  anns  a'  chainnt  Shasunnaich,  am 
rnultiplicatio7i  table.  Sin  aon  de  na  bunaitean 
air  a  bheil  malairt  na  rioghachd  air  a  togail,  is 
tha  a'  bhunait  sin  cho  cinnteach  an  diugh  's  a 
bha  i  roimh  am  a'  chogaidh,  no  bha  i  m'  an  do 
rugadh  Darwin  no  Einstein.  Ni  8  X  8,  64,  agus 
2  4-2,  4,  CO  dhiu  a  chordas  e  ruinn  no  nach  cord, 
agus  CO  dhiii  a  theid  againn  air  ar  fiachan  a 
phaigheadh  no  nach  teid. 

Cha  d'  atharraich  na  deich  aithntean.  Tha  e 
cho  cearr  breugan  innseadh  an  diugh,  no 
adhaltranas  a  dheanamh,  no  cuid  ar  coimhears- 
naich  a  ghoid,  's  a  bha  e  ann  an  laithean  Mhaois ; 
is  bhiodh  e  cearr  ged  dh'  abradh  oigridh  an 
t-saoghail  uile  nach  robh. 

Is  e  Dia  ar  Cruithear  agus  ar  Fear-saoraidh 
agus  ar  Breitheavih  ;  tha  sin  cho  fior  'sa  bha  e 
m'  an  do  rugadh  sinn  is  bidh  e  fior  an  uair  a 
bhios  sinn  anns  an  uaigh.  Agus  bhiodh  e  fior 
ged  dh'  aicheadh  a  h-uile  feallsanach  agus  fear- 
ealdhain  air  thalamh  e,  direach  mar  a  leanadh  a' 
ghrian  air  dearrsadh  ged  bhiodh  a  h-uile  creutair 
beo  air  thalamh  dall. 

Cha  d'  atharraich  teagasg  Chriosd.  Tha  teagasg 
Chriosd  cho  fior  an  diugh  's  a  bha  e  riamh  ;  ged 
sguireadh  daoine  de  choiseachd  air  an  talamh 
uile  gu  leir  agus  a  thoisicheadh  iad  air  itealaich 
anns  na  speuran  bhitheadh  e  fhathast  fior  gur 
c  an  duine  bcannaichte  is  sona  an  duine  a  tha 
trocaireach  is  glan  'na  chridhe  agus  a  tha  an 
ffeall  air  fireantachd. 


12 


ANNS  A'  CHATHAIR— SEANACHAS 


Tha  e  cho  fior  an  diugh  's  a  bha  e  an  de  gu 
bheil  dleasdanasan  aig  parantan  d'  an  cloinn, 
dleasdanasan  aig  cloinn  d'  am  parantan,  agus 
dleasdanasan  againn  iiile  do  Dhia,  d'a  eaglais, 
d'ar  diithaich,  agus  d'ar  coimhearsnaich.  Cha 
d'  atharraich  an  saoghal  anns  an  t-seadh  nach 
'eil  na  nithean  sin  cho  fioi-  an  diugh  's  a  bha  iad 
roimhe  so. 

Chan  'eil  sinn  ann  an  saoghal  iir,  is  cha  mho 
a  thachair  dad  a  bheir  oirnn  na  riaghailtean 
spioradail  sin  a  chur  air  chill  leis  an  robh  daoine 
diadhaidh  a'  riaghladh  am  beatha  anns  na  laithean 
a  dh'  fhalbh.  Na  daoine  a  theagaisg  mo  phar- 
antan  dhomh  an  eiseimpleir  a  leantuinn,  agus 
na  nithean  a  theagaisg  iad  dhomh  a  chunntas 
ceart  is  urramach,  sin  na  ceart  dhaoine  agus  na 
ceart  nithean  a  tha  mi  a'  cunntas  urramach  an 
diugh  f  hathast.  Ged  bhios  mi  a'  leughadh  anns 
na  paipearan-naigheachd  agus  a'  cluinntinn 
air  dhoighean  eile  gu  bheil  sinn  ann  an  saoghal 
ur,  an  uair  a  sheallas  mi  a  steach  'n  am  inntinn 
fein  cha  leir  dhomh  aon  phuing  creidimh  no 
aon  riaghailt  a  bhuineas  don  bheatha  dhiadh- 
aidh  a  bha  air  a  theagasg  dhomh  'n  am  oige 
a  dh'  fheumas  mi  a  leigeil  seachad.  Beachdan 
leanabail  is  bruidhinn  leanabail  is  smuaintean 
leanabail,  tha  sin  a'  tuiteanT  air  falbh  o  dhaoine 
leo  fhein  an  uair  a  thig  iad  gu  ire  duine,  ach  tha 
na  nithean  a  bha  ion-mhiannaichte  learn  o 
thus  mar  sin  fathast. 

An  uair  a  bhios  daoine  ag  radh  gu  bheil  sinn 
an  diugh  ann  an  saoghal  iir  chan  'eil  sin  a' 
ciallachadh  (ma  tha  e  a'  ciallachadh  dad  idir) 
ach  rud-eigin  mar  so,  gu'n  d'  atharraich  fasain 
is  cleachdanna  dhaoine  ri  linn  a'  chogaidh  ;  gu 
bheil  ainbheach  air  an  rioghachd  so  an  diugh 
nach  robh  air  rioghachd  eile  riamh  ;  nach  'eil 
uiread  dhaoine  a'  dol  do'n  eaglais  's  a  b'  abhaist; 
nach  eil  daoine  a'  coimhead  na  Sabaid  mar 
b'  abhaist  daibh  ;  gu  bheil  viotor  car  aig  gach 
dara  duine  ;  gu  bheil  riaghladh  na  diithcha  ann 
an  lamhan  nan  Socialists  ;  gu  bheil  vote  aig  na 
boirionnaich,  no  gu  bheil  fasain  neonach  aca. 
Sin  na  nithean  air  a  bheil  iad  a'  smuaineachadh 
an  uair  a  their  iad  gu  bheil  sinn  ann  an  saoghal 
iir,  ach  chan  'eil  anns  na  nithean  sin  ach  nithean 


beaga  an  coimeas  ris  na  nithean  mora  eile  nach 
d'  atharraich  idir.  Cha  dean  na  nithean  beaga 
sin  saoghal  iir,  oir  ciod  air  bith  an  t-ainbheach 
a  tha  air  an  rioghachd  tha  e  cho  fior  's  a  bha  e 
riamh  gum  feumar  a  phaigheadh  ;  go  dhiu  a 
theid  daoine  don  eaglais  no  nach  teid  agus  co 
dhiu  a  naomhaicheas  iad  la  an  Tighearna  no 
mhi-naomhaicheas  iad  e,  tha  e  cho  fior  's  a  bha 
e  riamh  gu  bheil  iad  cunntachail  do  Dhia. 
Sin  na  nithean  mora  maireannach,  is  tha  na 
nithean  sin  an  diugh  mar  bha  iad  an  linn  do 
sheanar. 

Tha  eachdraidh  fhada  aig  mac  an  duine  air 
thalamh,  agus  ann  an  eachdraidh  spioradail 
mhic  an  duine  tha  nithean  sonraichte  a' 
seasamh  a  mach  mar  nithean  a  tha  air  an 
dearbhadh  cho  cinnteach  's  nach  fhaodar 
teagamh  a  chur  annta  ;  cumhachd  is  lathair- 
eachd  Dhe  anns  an  t-saoghal  ;  ughdarras  ar 
coguis,  teagasg  is  taisbeanadh  Chriosd,  obair 
an  Spioraid  Naoimh  anns  an  anam  ;  agus 
cinnteachd  a'  bhreitheanais  agus  na  beatha 
shiorruidh.  Bha  na  nithean  sin  air  an  teagasg 
dhuinn  uile  n  ar  n-oige,  agus  an  aite  iad  a  bhi 
air  an  crathadh  leis  a'  chogadh  no  le  Darwin, 
is  ann  a  tha  iad  na's  cinntiche  na  bha  iad 
riamh.  An  aite  e  bhi  fior  gu'n  deachaidh 
fiosrachadh  spioradail  ar  n-aithrichean  a  chur 
air  chill,  no  an  creideamh  agus  an  dochas  leis  an 
robh  iad  a'  stiiiradh  am  beatha,  is  ann  a  tha  e 
fior  nach  'eil  gliocas  iir  fo'n  ghrein,  no  shghe 
slainte  eile  don  chinneadh-daonna  ach  an 
t-seann  t-slighe,  an  fheoil  agus  toil  na  feola  a 
cheusadh. 

Tha  barrachd  comhfhurtachd,  is  barrachd 
airgid  is  barrachd  gloine,  agus  gu  sonraichte 
barrachd  siubhail,  anns  an  t-saoghal  an  diugh 
na  bha  ann  roimhe  so  ;  ma  ni  luathas  siubhail 
saoghal  ur  tha  sinn  gun  teagamh  ann  an  saoghal 
ur,  ach  ged  shiubhladh  mac  an  duine  le  luathas 
na  gaoithe  gu  criochaibh  iomallach  an  domhain 
bhiodh  na  ceart  dhleasdanasan  agus  an  Dia 
ceudna  a'  feitheamh  air  an  sin  ris  a  bheil 
gnothuch  aige  an  so,  agus  bhiodh  a'  cheart 
chridhe  aige  ri  ghlanadh  agus  a  cheart  fheoil 
ri  smachdachadh. 


Seanachas 


Air 

FlALAIDHACHD    DhE 


"  Tha  mo  chiipan  a  cuir 

CHUIR  fialaidheachd  Dhe  mor  iongnadh  air 
Daibhidh.  Bha  e  fhein  'na  chreutair  truagh 
seachranach  a'  teicheadh  o'n  cheartas  a  bha  'n 
toir  air,  gu  a  chur  gu  l»as  'nuair  a  theich  e  stigh 
air  dorus  a  fhuair  e  fosgailte  fa  chomhair. 
Chaidh  gabhail  ris  le  faoilt  agus  furan.  Chaidh 
bord  a  sgaoileadh  fa  chomhair.    Chaidh  olachas 


thairis.''' — Salm  xxiii.  5. 
mor  a  dheanamh  ris.  Cha  bu  luaithe  he  bhhoid  a 
chtipan  falamh  na  bhiodh  e  air  a  lionadh  a 
rithist  leis  an  olach  ghradhach  a  ghabh  a  stigh 
e.  Tha  Dia  mar  sin  a'  frithealadh  air  aoighean 
fheir.  gu  llalaidh.  agus  mar  is  trice,  gu  diomhair 
air  chor  is  gu  bheil  an  ciipan  Ian  an  comhnuidh. 
Cha  luaithe  sguabas  iad  as  na  h-uile  boinne  gu 


SEANACHAS 


13 


grunnd,  no  gheibh  iad  e  Ian  a  rithist,  gun  fhios 
cia  as  a  thainig  e.  Is  maith  tha  fios  aca  c6  tha 
'ga  lionadh,  ged  nach  fhac  iad  a  lamh.  Tha  e 
'na  chuis  iongantais  agus  'na  aobhair  mliolaidh 
dhaibh,  gun  sgur  gu  bheil  e  araon  gu  diomhair 
agus  gu  follaiseach  a'  lionadh  an  ciipain.  Tha 
iad  a'  sealltainn  suas  ri  aghaidh  neo-fhaiosinnich 
agus  a'  seinn  gu  taingeil  : 

S  Tu  sgaoileas  mo  bhord  le  Ion  do  nihaitheis. 
Fa  chomhair  mo  naimhde  lionmhor, 

S  Tu  dh'ungas  mo  cheann  le  ola  na  flaitheis, 
S  mo  chiipan  thairis  's  Tu  lionas. 

Ciod  e'n  ciipan  so  tha  Dia  a'  lionadh  air  son 
fhior  aoighean  fhein  ?  Is  e  tha  ann  an  ciipan 
soitheach  leis  a  bheil  deoch  air  a  giidan  gu  beul 
neach.  Agus  gun  teagamh  is  e  creidimh  an 
cupan  leis  a  bheil  trocairean  Dhe  air  an  giidan 
gus  an  anani.  Is  ann  tre  chreidimh  tha  iad  air 
an  deanamh  'nan  luchd  comh-pairt  do  shochai- 
rean  ciimhnant  nan  gras.  Tha  gach  ni  th'anns 
a'  chiimhnant  air  an  giiilan  gus  an  anam  le 
ciipan  a  chreidimh. 

Tha  sin  gle  cheart,  ach  is  e  mo  bheachdsa 
nach  b'e  sin  an  ciipan  air  an  robh  siiil  aig 
Daibhidh  'nuair  a  sheinn  e  an  salm  so.  S  ann 
bha  e  smuaineachadh  air  anam.  B'e  anam  a 
bha  an  Tighearna  lionadh  gus  an  robh  e  a'  cuir 
thairis.  Fhuair  e  a  lethid  a  dh'  fhiosrachadh 
air  maitheas  an  Tighearn  agus  air  fialaidheachd 
a  ghrais  is  gun  robh  e  ga  choiineas  fhein  ri 
ciipan  Ian  gu  cuir  thairis.  Fhuair  e  a'  lanachd 
a  ghrais  na  bu  mho  na  chumadh  e. 

Ciod  e  bha  n  Tighearna  cur  na  anam  a  bha 
'ga  lionadh  mar  sin  ?  Is  iomadh  ni  deagh 
bhlasda  tha  n  Tighearna  cur  ann  an  ciipain 
fhior  shluaigh  fhein.  Tha  cuid  ni  gearan  air  na 
nithe  searbh  tha  e  toirt  dhaibh  ri'n  ol.  Chan 
ann  a'  seinn  orra  bhitheas  iad.  Is  mor  is  fhearr 
bhi  seinn  mu  na  nithe  milis  no  bhi  gearan  mu 
na  nithe  searbh.  Is  e  sin  a  bha  Daibhidh  a' 
deanamh.  Bha  e  a'  seinn,  oir  bha  a  chridhe 
Ian  do  mhaitheis  Dhe.  Bha  e  air  a  lionadh  le 
firinn  Dhe.  Lion  sin  a  bhuadhan  reusanta. 
Bha  e  riaraicht'  leis  an  fhirinn.  Bha  a  spiorad 
riaraichte  le  eolas.  Bha  chi-idhe  riaraichte  le 
trocair  agus  gradh  Dhe. 

Tha  iad  sin  uile  gu  maith.  Is  iad  a  tha.  Ach 
tha  cuimhne  agad  gun  do  sheinn  Daibhidh  ann 
an  salm  eile  nach  honadh  iad  sin  uile  anamsa 
ged  a  bha  iad  uile  gu  ro  mhaith.  "  Is  e'n 
Tighearna,"  ars  esan, "  cuibhroinn  m'oighreachd 
agus  no  chupain."  Cha  deanadh  na  bu  lugha 
chilis  gu  anamsa  lionadh  gu  cur  thairis.  Is  e 
lathaireachd  an  Tighearn  amis  an  anam  a  lionas 
e.  Is  e  Criosd  a  bhi  gabhail  comhnuidh  anns 
a'  chridhe  tre  chreidimh  a  lionas  cupan  an  fhior 
chreidich  gus  a  bheil  Ian  leoir  aige.  Is  e  lanachd 
Chriosd  ann  an  lanachd  a  ghrais  ann  am  beachd 
agus  ann  am  fiosreachedh  an  anam  a  lionas  e 
gu  cur  thairis.  Co  fhuair  riamh  beachd  agus 
sealbh  air  nach  do  mhothaich  a  chiipan  Ian  ? 


Tha  Criosd  a'  lionadh  ciipan  a  shluaigh  ann 
an  uaigneas  co-chomunn.  'Nuair  a  thainig  e 
stigh  do  *n  t-seomair  uachdarach  agus  na  dorsan 
diiinte,  bheannaich  e  a  dheisciobuil  gus  an  robh 
an  anama  Ian  de  ghloir.  Be  a  lathaireachd  a' 
briseadh  air  an  anama  anns  an  dorchadas  gu 
h-uaigneach  a  lion  iad  le  beath  nan  gras  agus 
le  dochas  na  gloire.  'Nuair  a  thainig  an  Spiorad 
air  an  t-sluagh  a  bha  aig  an  urnuigh  air  la  na 
caingeis  lionadh  an  ciipanan  uile  gu  cur  thairis. 
Is  e  a  lathaireachd  anns  a  bheil  an  lanachd.  Is 
e  e  fhein  a  lionas  an  cupan. 

Tha  Criosd  gu  trie  a'  lionadh  ciipain  a  shluaigh 
ann  an  orduighean  follaiseach.  'Nuair  a  shin  e 
'n  cupan  gu  a  dheisciobuil  aig  a  bhord,  thuirt  e, 
"  Is  e  an  ciipan  so  an  tiomnadh  nuadh  ann  am 
fhuilsa,  a  dhoirteadh  air  bhur  sonsa.  Olaibh 
uile  dheth."  Tha  diomhaireachd  na  diadhachd 
agus  na  reite,  gloir  na  saorsa  agus  na  slainte 
choisinn  e,  uile  anns  a  chiipan  sin,  agus  is  Ian 
gu  cur  thairis  tha  iadsan  uile  do  a  bheil  a 
lamhan  fialaidh  fhein  gu  diomhair  'ga  thoirt. 
Is  iomadh  creutar  iriosal  fhuair  Ian  a  chiipain 
aig  bord  an  Tighearna,  'nuair  tha  saoibhreas  a 
ghraidh  air  fhoillseachadh  dhaibh  ann  an 
samhlaidhean  seulachaidh  na  cuirme. 

Tha  Criosd  gu  trie  a'  lionadh  ciipain  a  shluaigh 
ann  an  searmonachadh  an  t-soisgeil.  'Nuair  tha 
e  fhein  air  a  thogail  suas  gu  dileas  gu  soilleir 
agus  dearbhta,  tha  iadsan  air  an  deanadh  sona 
sathach,  air  do  gloir  a  ghrais  a  bhi  air  fhoill- 
seachadh dhaibh.  'Nuair  a  Ijha  Mr.  Iain 
DomhnuUach  fo  ghairm  o  comhthional  na 
Toisidheachd,  chaidh  Mr'  Rob.  Findlater  gu  a 
chabhair  aig  an  ordugh  mu  dheireadh  a  bh'aig 
ann  an  Dun-eideann  Chuir  athair,  be  fear  do 
dhaoin  ainmeil  na  Toisidheachd,  fios  leis  gus  a' 
mhinisteir,  ag  radh  :  "  Ged  nach  eil  eolas 
aganisa  air  Mr.  DomhnuUach,  faodaibh  tu 
tairgse  air  mo  dheagh  riiin  a  thoirt  da  ionnsaigh, 
agus  innis  dha  gu  bheil  an  Toisidheachd  ainmeil 
air  son  deagh  dhrama,  agus  gu  bheil  sinn  an 
dochas  nach  toir  esan  dhuinn  ni  sam  bith  as 
neo-luachmhoire  na  a  chleachd  sinn  a  bhi 
faotainn.  Bu  trica  bha  e  cho  laidir  agus  cho 
mjlis  is  gun  do  dh'ol  sinn  dheth  gus  'n  do  dhi- 
chuimhnich  sinn  ar  bochdainn  agus  nach  do 
chuimhnich  sinn  tuillidh  ar  truaighe."  Bha  an 
ciipan  a  cur  thairis. 

Is  beannaichte  da  rireadh  tha  cor  an  t-sluaigh 
sin  tha  sealbhachadh  agus  a'  mealtuinn  fialaid- 
heachd grais  Dhe,  gus  nach  cum  iad  an  corr. 
Tha  iad  fhein  sona,  agus  tha  cur  thairis  an 
cuaich  a'  beannachadh  an  t-soaghail.  Chan  e 
gu  leir  na  tha  aca  air  an  son  fhein,  ach  na  tha 
iad  a'  cur  thairis,  tha  'g  an  deanadh  nam 
beannachd  do  dhaoin  eile.  Mar  is  laine  tha  'n 
t-anam  de  lathaireachd  agus  de  ghras  Chriosd, 
's  ann  is  sona  tha  e  fhein,  agus  is  beannaichte 
tha  e  do  chach.  Is  ann  a  lanachd  a  chridhe 
labhras  am  beul.     Mur  biodh  rjun  do  shuidh 


14 


SEANACHAS— CAIRDEAN  PHOIL 


Daibhidh  aig  bord  an  Tighearna  gus  an  do 
lionadh  e  le  uile  lanachd  Dhe  cha  bhiodh  an 
salm  beannaichte  so  agus  iomadh  salm  eile 
againn  an  duigh  mar  chiipain  neamhaidh  cur 
thairis  air  ar  bilean.  B'iomadh  deoch  mhilis  a 
dh'al  sluagh  gun  aireamh  de  na  dhoirteadh 
thairis  air  bilean  a  chupainsan.  Is  iomadh 
creutar  bochd  tha  sona  le  bhi  'g  ithe  dhe  'n 


spriiileach  tha  tuiteam  o  bhord  an  Tighearna' 
Is  iomadh  iad  tha  sona  le  bhi  'g  61  dhe  cur 
thairis  a'  chiipain  tha  esan  a'  lionadh.  Ach  's 
ann  tha  bheannachd  ann  an  so,  gu'm  feud  gach 
creutair  beo  a  thighinn  le  a  chiipan  falamh  gu 
lanachd  agus  fialaidheachd  an  Tighearna,  agus 
gach  neach  a  thig  sasaichear  e. 

Alastair  Macrath. 


Cairdean  Phoil 


Priscila  agus  Acuila 


''1~^HA  sinn  ag  oidhirpeachadh  a  bhi  cur  eolas 
-i-  air  na  cairdean  a  chuidich  Pol  an  aobhar  an 
t-Soisgeil.  Coltach  ri  deisciobuil  Chriosd  bha 
iad  a  dha  dheuff  an  airimh,  agus  coltach  ri  ludas 
Iscariot,  bha  aon  'n  am  measg  nach  robh  idir 
'n  a  charaid. 

Am  measg  luchd-cuideachaidh  Phoil  feumar 
aite  araidh  a  thoirt  do  Phriscila  agus  Acuila, 
dithis  phosda.  B'e  Priscila  ainm  na  mna. 
Bhuineadh  i  do'n  Roimh  :  bhuineadh  esan  do 
Phontus,  'san  Asia.  Bha  ise  'n  a  Romanach  ach 
esan  'n  a  liidhach.  Tha  e  mar  an  ceudna  air- 
idh  air  aire  gu  bheil  ainm  na  mna  a'  dol  air 
thoiseach  air  ainm  an  f  hir  :  Priscila  agus  Acuila. 
Cha  robh  sin  idir  cumanta.  Feumaidh  uime  sin 
gun  robh  reuson  maith  air.  A  thaobh  a  breith, 
faodaidh  gun  robh  inbhe  na  mna  na  b'arda,  no 
mar  as  coltaiche,  gum  b'i  an  aon  bu  mho  dhe'n 
dithis.  Chan  urrainn  sinn  a  bhi  cinnteach.  Ach 
tha  aon  ni  cinnteach  :  fhuair  a'  bhean  fo'n 
t-Soisgeul  an  t-aite  bha  air  aicheadh  dhi  ri  linn 
an  lagha.  Ann  an  losa  Criosd  chan  'eil  fear  no 
bean— chan  e  nach  'eil  an  t-eader-dhealachadh 
ann,  agus  nach  'eil  e  fior  cuideachd,  gur  ann 
'san  tomhas  anns  am  faigh  e  aite  a  bhios  am 
posadh  n  a  bheannachd  no  air  a  chaochladh. 
Mar  tha  aon  ag  radh  : 

Chan  e  bhean  fear  air  bheag  fas, 

Ach  eadar-dhealaichte.     Na'n  deanamaid  i 

Mar  dhuine 

Bhiodh  gradh  mills  air  a  mliarbhadh. 

Is  e  snaim  dileas  an  duine 

lonann  ri  ionann  ach  gidheadh 

Neo-ionann. 
Coimhcheangailte  ri  Priscila  agus  Acuila  is  e 
a'  cheud  ni  a  tha  gairm  aire,  a'  bheatha  phosda 
shona  a  bh'aca.  Tha  i  'n  a  h-eisimpleir  'san 
Tiomnadh  Nuadh.  Chan  urrainn  sinn  innse 
c'uin  no  c'arson  a  chaidh  Acuila  do'n  Roimh, 
ach  sin  far  an  do  choinnich  iad  an  toiscach.  A 
reir  na  h-uile  coslais  choinnich  iad  mar  chreid- 
mhich.  Mur  b'e  sin  faodaidh  nach  robh  iad  air 
coinneachadh  idir.  A  reir  an  ainm  Priscila 
bhuineadh  ise  do  theaglach  uasal  Romanach. 
Ach  taobh  air  thaobh,  bhuineadh  iad  do  theagh- 
lach  a  b'arda,  teaghlach  a'  chreidimh.  Sin,  ann 
an  cuibhrionn  co  dhiiibh,  am  fath  a  bha  aig  a' 
ghradh    nadurach    a    dh'    eirich     eatorra,      n. 


dh'  easbhuidh  graidh  chan  'eil  posadh  sona  sam 
bith,  a  reir  na  Firinn.  Ach  an  uair  a  tha  gradh 
nadui-ach  agus  gradh  spioradail  a'  posadh  tha 
am  posadh  air  a  dheanamh  air  neimh.  agus  tha 
thoradh  soilleir  air  thalamh.  Thug  boirionnach 
diadhaidh  sin  seachad  do'n  sgi-iobhadair  mar 
reuson  air  sonas  agus  soirbheachadh  a  teagh- 
laich.  "  Dh'iarr  mi  air  an  Tighearna  aon  de 
shluagh  fhein  agus  thug  e  sin  dhomh." 

Chan  'eil  sin  ag  radh  nach  faod  gu  leor  a  bhi 
'n  crannchur  duine  gu  bhi  dearbhadh  saothair 
a  ghraidh  agus  foighidinn  a  chreidimh.  Chan 
'eil  fhios  againn  an  d'thug  a  parantan  an  aonta 
do  phosadh  Phriscila  ri  neach  de  chinneach  eile 
agus  de  theaglach  a  b'isle  na  i  fhein  :  Is  fearr 
leinn  a  bhi  creidsinn  gun  d'thug.  Dh'fhagadh 
sin  an  t-slighe  reidh  ach  a  mhain  car  tamuill. 
B'eigin  daibh  an  Roimh  fhagail  le  geur-leanmh- 
ainn  a  dh 'eirich  an  aghaidh  nan  criosduidhean. 
Faodaidh  gun  deachaidh  iad  a  mach  mar  a 
chaidh  moran  eile  le  lamh  gle  fha  lamb.  Ach 
chan  'eil  e  doirbh  a  bhi  smuaineachadh  air  a 
bhean  a  bhi  ag  radh  ri  Acuila  :  "  Chan  fheum 
sinn  ar  misneach  a  chall.  Rachamaid  gu 
Corintus  :  tha  e  ri  taobh  a'  chuain — baile  mor. 
Tha  thu  'n  ad  f  hear-deanamh  bhiithan.  Gheibh 
thu  obair  ann  an  sin,  agus  cuidichidh  mi  fhein 
thu."  Agus  rinn  i  sin.  Dh'ionnsaich  i  a'  cheart 
obair  ris  fhein  agus  shoirbhich  leo. 

Ma  tha  thu  air  son  dealbh  bean  mhaith 
fhaicinn  chi  thu  e  an  leabhar  nun  Gnath-fhocal, 
an  31  caib  :  "  Earbaidh  cridhe  a  fir  aisde  .  .  . 
locaidh  i  maith  dha  agus  chan  e  olc  uile  laithean 
a  bheatha." 

Is  e  an  ath  ni  a  tha  gairm  aire,  mar  thainig 
Priscila  agus  Acuila  gu  bhi  cur  eolas  air  Pol. 
Bha  Pol  air  a  bhi  saoithreachadh  am  baile  na 
h-Aithne,  ach  le  cho  beag  soirbheachaidh  's 
gun  chuir  e  mu  dheireadh  aghaidh  air  Corintus  : 
sgith,  aonaranach,  iomguineach.  Sin  mar  a  bha 
e  an  uair  a  thuit  e  an  comunn  Phriscila  agus 
Acuila — chan  'eil  fhios  againn  ro  mhaith  cianiar, 
mm-  d'thug  an  ceard  comhla  iad,  oir  bha  iad 
araon  'n  an  luchd-deanamh  bhiithan.  Ach  tha 
fhios  againn  gun  d'fhuair  Pol  failte  chriosdail 
o'n  dithis.  A  bharrachd  air  sin  ghabh  iad  a 
;,Ligh  e  ana  an  com-pairt  oibreach. 


CAIRDEAN  PHOIL 


15 


Chan  'eil  e  doirbh  dealbh  a  dheanamh  de  'n 
triuir  a'  siiidhe  aig  an  obair  fa  leth — Pol  a'  cur 
an  ceill  na  fiachan  a  bha  aig  Criosd  orra  an 
Soisgeul  a  chraobh-sgaoileadh  —  Priscila  agus 
Acuila  ag  eisdeachd  agus  a'  beannachadh  an 
latha  a  chuir  an  Tighearna  a  leithid  a  dh'aoigh 
a  dh'ionnsaigh  an  dachaidh.  Tha  cuid  ag  radh 
gum  b'  ann  aig  an  am  sin  a  chaidh  Priscila  agus 
Acuila  iompachadh.  Ach  cinnteach  gu  leor, 
chaidh  an  iirachadh  's  an  neartachadh  le  solus 
air  an  i-obh  iad  a'  cur  feum.  Bha  e  'n  a  fhocal 
cunianta  am  measg  nan  oileanach  a  bha  fo 
theagasg  Prof.  Bruce,  gun  do  rinn  e  Criosd  na 
bu  mho  'n  an  sealladh  na  bha  e  riamh.  Ach 
na  bu  mho  na  sin  dheanadh  Pol  Criosd  an  seal- 
ladh Phriscila  agus  Acuila,  an  uair  a  rachadh 
e  mach  air  gloir  an  f  hoillseachaidh  a  f  huair  e  an 
air  t-slighe  gu  Damascus  ;  iongantas  na  trocair 
a  ghiiilan  leis  na  bliadnachan  a  bha  e  air  sea- 
charan  :  diamhaireachd  affus  gloir  a'  chrainn- 
cheusaidh  ;  sonas  co-chomuinn  seirbhis  Chriosd, 
maille  ri  dochas  na  beatha  maireannaich.  Ach 
mar  a  dh'fhaodas  sinn  a  thuigsinn  cha  bhiodh 
a'  bhuannachd  air  aon  taobh.  B'ann  triomh 
Phriscila  agus  Acuila  a  chaidh  dorus  fhosgladh 
do  Phol  do'n  t-saothair  nhor  a  rinn  e  am  measg 
nan  Corintianach,  gun  ghuth  a  thoirt  air  gum 
b'  ann  ti'ompa,  faodaidh  e  bhi,  a  bha  deidh  air 
a  dhiisgadh  'n  a  chridhe  an  Roimh  f  haicinn  mar 
an  ceudna. 

Tha  sin  uile,  ma  tha,  ag  innse  an  speis  a 
bh'aig  Priscila  agus  Acuila  do  shoirbheachadh 
an  t-Soisgeil.  Bha  sin  fior  eadhon  an  uair  nach 
robh  iad  fhein  a'  soirbheachadh.  Faodaidh  e 
bhi  gur  e  sin  a  thug  orra  Corintus  f  hagail  :  sin 
air  neo  iarrtus  air  am  Maighistir  a  chur  an  ceill 
an  Ephesus.  Co  dhiiibh,  gu  Ephesus  chaidh 
iad,  far  an  do  shoirbhich  leo  cho  mor  agus  gun 
robh  iad  comasach  air  barrachd  a  dheanamh 
air  son  aobhar  Chriosd.  Air  aon  ni,  bha  iad 
comasach  air  coibhneas  nach  bu  bheag  a  thais- 
beanadh  do  Apollos,  agus  a  theagasg  na  bu 
choimhlionta  ann  an  eolas  an  Tighearna  losa. 
Air  son  ni  eile,  thug  iad  seachad  an  dachaidh, 
no  an  ait-oibreach  mar  ait-aoraidh  :  "  An  eaglais 
a  tha  'n  an  tigh-san  " — sin  mar  a  tha  Pol  'g  a 
chur. 

Faodaidh  gu  bheil  sin  a'  ciallachadh,  aoradh 
Dhe  'san  teaghlach.  Bu  mhor  sin  fhein,  cho 
mor  agus  gu  faodar  a  radh  am  measg  nan  nithean 
a  rinn  Alba  ainmeil  am  foghlum,  an  diadhachd, 
's  an  treubhantachd,gun  robh  aoradh  teaghlaich. 
Ach  is  bochd  ri  radh,  coltach  ri  nithean  eile,  gu 
bheil  an  cleachdadh  so,  lion  beag  agus  beag,  a' 
basachadh.  Ach  is  e  as  coltaiche  gur  e  bha  na 
briathran  "  An  eaglais  a  tha  'san  tigh  "  a' 
ciallachadh,  aite-tionail  nam  braithrean  air  son 
aoradh  Dhe.  Ann  an  latha  anns  nach  robh 
eaglaisean  fhathast  air  an  togail,  bha  sin  ro 
fheumail.  Agus  a  nis,  an  uair  a  tha  eaglaisean 
lionmhor,  tha  e  taitneach  a  bhi  smuaineachadh 


gu  bheil  fhathast  dachaidhean  ann  anns  a  bhe  i 
an  drasta  's  a  rithisd  aoradh  foUaiseach  Dhe 
air  a  chumail,  agus  a  bheannachd  air  a  shealbh- 
achadh.  "  Cha  d'f hairich  mi  mi  fhein  a  riamh  " 
arsa  ministeir  "  na  bu  dliiithe  air  neimh  na  aig 
aon  de  na  coinnimhean  sin."  A  bharrachd  air 
cothrom  aoraidh,  cha  bu  bheag  e  gum  faodadh 
na  braithrean  coinneachadh  gun  aobhar  eagail 
o'n  taobh  a  mach. 

Ach  mor  agus  mar  a  tha  e  a  bhi  toirt  seachad 
na  bheil  againn  tha  e  na  's  mo  sinn  fhein  a 
thoirt  seachad.  Agus  sin  an  ni  a  rinn  Priscila 
agus  Acuila — "  Muinntir  "  arsa  Pol  "  a  leig 
sios  am  muinneal  fein  air  son  m'anamasa  "  : 
Chan  'eil  e  ag  innse  c'uin  no  c'aite  no  ciamar. 
Faodaidh  e  bhi  gur  ann  an  Ephesus,  far  "  an  do 
chomhraig  mi,"  arsa  Pol,  "ri  fiadh-bheathaich- 
ean  " — is  e  sin  ri  daoine  nach  robh  na  b'fhearr 
na  fiadh-bheathaichean. 

A  nis,  air  son  sin,  agus  tuilleadh  is  sin,  tha 
Pol  ag  aideachadh  taingealachd  a  chridhe,  agus 
chan  e  mhain  esan  "  ach  mar  an  ceudna  eag- 
laisean nan  cinneach  uile."  Tha  e  a'  teagasg 
mar  a  tha  aon  ag  radh,  ciod  e  a  dh'fhaodas 
bean-phosda  a  dheanamh  gun  dhearmad  a 
dheanamh  air  a  teaghlach.  Tha  e  deanamh 
soilleir  cumhachd  an  t-Soisgeil  agus  cho  bean- 
naichte  's  a  tha  e  a  bhi  leantainn  cos-cheuman 
Chriosd.  Chuir  duine  seachad  an  oidhche  maille 
ri  Innseanach.  B'e  an  geamhradh  a  bh'ann. 
Bha  an  talamh  geal  le  sneachda.  Anns  a' 
mhadainn  thuirt  an  t-Innseanach  :  "  Thig  agus 
faic  so  " — a'  comharrachadh  a  mach  larach 
cheuman  duine  'san  t-sneachda.  "  Cia  mheud," 
ars  esan,  "  a  chaidh  seachad  ann  an  so  an 
raoir  ?  "  "  Chaidh  aon  duine  "  ars'  an  coig- 
reach.  "  Chaidh,"  ars'  an  t-Innseanach,  "treubh 
seachad  ann  an  so  an  raoir  ;  ach  gu  bhi  a'  falach 
an  aireamh,  chuir  fear  an  deidh  fir  a  chas  ann 
an  lorg  an  fhir-threorachaidh." 

Tha  lorg  Chriosd  againn,  ma  tha,  agus  taingeil 
's  mar  is  coir  dhuinn  a  bhi  air  son  lorgan  a 
sheirbhisich,  leanamaid  am  Maighistir  fein, 
agus  thig  an  latha  anns  an  cluinn  sinn  e  ag 
radh  :  "A  mheud  's  gun  do  rinn  sibh  e  do  aon 
de  na  braithribh  as  lugha  agamsa,  rinn  sibh 
dhomhsa  e.  "  E.   G. 


16 


IAIN  GREUM— LAOIDH  NOLLAG 


Iain  Greum 


Nach  maireann 


CHACCHAIL  an  caraide  ionmhuinn,  Mr. 
Iain  Greum,  ann  an  Loch  an  Inbhir,  air  an 
treas  la  deug  de  Nobhember.  Bha  e  tri  fichead 
bliadhna  agus  ceithir  deug  a  dh'aois.  Bha  e 
'n  a  mhisionaraidh  'n  ar  n-eaglais  corr  agus  da 
fhichead  bhadhna.  Re  na  h-uine  sin  shaoth- 
raich  e  gu  dileas  agus  gu  dichiollach  an 
cacchladh  chearnan  anns  na  h-eileanen  an  iar 
— ann  am  Muile,  ann  an  Eige,  ann  an  Scal- 
paidh  's  na  h-Earadh,  ann  an  Uibhist  a  chinne 
Tuath,  ann  an  Grabhir  an  Leodhus.  O  chionn 
tri  bliadhna,  do  bhrigh  anmhuinneachd  cuirp, 
tlmg  e  thairis  seirbhis  follaiseach  na  h-eaglais. 
Thainig  e  a  ghabhail  tamh  re  a'  chuid  eile 
d'a  bheatha  ann  an  Loch  an  Inbhir  an 
sgire  Asainnt  mu  Thuath.  B'e  so  sgire  a 
bhreith  agus  a  dhuthchais,  ris  an  robh  mor 
cheangal  aige  re  ainsir  a  chuairt.  Fhuair 
e  colas  slainteil  air  Criosd  agus  esan  air 
a  cheusadh  ann  anlaithean  oige,  agus  ghleidh 


e  an  cred-eamh  gun  chlaonadh  gus  a* 
chrioch. 

Thachair  cacchladh  roinnean  agus  bhristidh- 
ean  anns  an  eaglais  Shaoir  o  thoisich  e  air 
a  sheirbhis,  ach  cha  d'thug  e  ghnuis  do  aon 
de  na  roinnean  sin — an  comhnaidh  a'  leantainn 
nan  nithean  a  bha  chum  sith  agus  togail  suas 
aon  a  cheile.  Bha  e  ag  amharc  air  aghaidh 
le  mor  dhiirachd  ris  an  aonadh  a  thachair  an 
October  eadar  an  Eaglais  Aonaichte  agus 
Eaglais  na  h-Alba.  Agus  is  esan  a  rinn  an 
gairdeachas  ris  an  sgeula  a  rinn  mi  dha  air 
Ard-shionadh  an  Aonaidh,  an  deidh  dhomh 
tilleadh  dhachaidh  a  Dun-eideann. 

Ann  a  bhi  leigeil  ar  cead  de  ar  caraide 
ionmhuinn  tha  ar  co-fhaireachadh  a'  del  a 
mach  a  dh'ionnsaidh  a  cheile  ghradhaich,  a 
fhi'itheil  da  ie  mor  fhoighidinn  'n  a  thrioblaid 
agus  'n  a  anmhainneachd  an  deireadh  a  latha. 

DOMHNULL    FlONNLASTAN. 


Laoidh  Nollag 


^^  Agus  air fosgladh  an  ionmhaisdhaibh,  tlmg  iad  dha  tiodhlacan  :  or,  agus  tu'is,  agus  mirr." — Mat.  ii.  11. 


AR  learn  gum  faic  mi  'n  comhlan  ud, 
Gu  Betlehem  dol  suas  ; 
A  dh'fhaicinn  ni  ro  iongantach, 
Air  'n  d'rinn  na  h-ainglean  luaidh. 
Tha  ailleagan  graidh  nan  neimhean, 
Air  teachd  do'n  t-saoghal  nuas  ; 
Is  dorus  chan  'eil  fosgailt  dha, 
Ach  stapull  iosal  fuar. 

Ar  leam  gum  faic  mi  liibadh  iad, 
An  lathair  prionns'  na  gloir, 
'S  a'  sgaoileadh  mach  an  ionmhasan, 
De  mhirr,  de  thiiis,  de  or  ; 
A  thug  iad  leo  mar  thiodhlacan, 
Do'n  ti  bha  ann  bho  thiis  ; 
'S  tha  nis  'san  leabaidh  iosail  ud, 
Mar  naoidhean  fann  gun  liith. 

Thlg  sinn  a  nis  le'r  n-uallaichean, 
G'an  sgaoileadh  ann  ad  lath'r  ; 
A  chum  's  gum  faigh  ar  n-anam  sith, 
Le  'm  fagail  'n  uchd  do  ghraidh  ; 


Oir  tha  'm  peacadh  'n  a  uallach  dhuinn. 
Is  searbh  do'n  chridhe  bhriiit  ; 
Is  chan  'eil  sith  no  suaimhneas  dhuinn, 
Gus  am  bi  sinn  ualth  saor. 

Nis  Athair  tha  sinn  glaodhaich  riut, 
Do  chluas  a  cromadh  nuas  ; 
Is  teine  beo  do  ghraidh  a  chur, 
Ri'r  n-urnuigh  tha  dol  suas  : 
'S  gun  teid  am  faile  ciibhraidh  niach, 
Bho'r  n-aoradh  anns  gach  la  ; 
Air  feadh  na  talmhainn  so  a  bhos, 
'S  gu  ruig  na  neimhean  ard. 

'S  gum  bi  sinn  toirt  an  tiodhlac  dhuit, 

As  luachmhor  th'againn  fein  ; 

Ar  cridh'  's  ar  n-anam  cuir  'n  ad  laimh, 

'S  bidh  sinn  a  ghnath  riut  reidh  : 

'S  bidh  sinne  measg  an  airimh  ud, 

Gu  Betlehem  dol  suas  ; 

'S  a'  toirt  a  mach  ar  n-ionmhasan, 

'G  an  sgaoileadh  'n  lath'r  an  Uain. 

L.  Lb, 


Air 


3 


93 


o 


Ok  Na  Bantraich 

"  Chan  'ell  aig  do  bhanogJaicli  ni  air  hit.h  '.■*««  tigli  ach  xoithearh  ola."—2  Righ.  iv.  2. 


O  GEULA  iongantach  !  Ach  tha  i  cho  fior  's 
Oa  tha  i  cho  iongantach.  Bha  uair  agus  bu 
leor  le  cuid,  gu  h-araidh  cuid  a  bha  'g  aideachadh 
sgoileu*eachd,  ni  air  bith  a  bhi  iongantach  a 
chum  a  bhi  air  a  mheas  rabhartach.  An  ann 
agus  e  anns  a'  Bhiobull  ?  U,  cha  sabhaileadh 
sin  e  am  beachd  an  t-seorsa  ud.  Ach  chaidh  an 
latha  sin  seachad  agus  tha  chead  aige.  Tha  na 
balaich  bheaga  a  nis  a'  toirt  ceann-reidh  dhaibh 
fhein  le  innleachdan  leis  an  glac  iad  as  an  athar 
ceol  agus  comhradh  feadhainn  a  tha  na  ceudan 
mile  air  falbh  uatha.  Tha  sin  iongantach  ach 
cha  chan  aon  "  sgoileir  "  gu  bheil  e  rabhartach. 
Is  leor  dhutsa  agus  dhombsa  gu  bheil  Dia  'n  a 
shaoghal  cho  cinnteach  's  a  tha  e  'n  a  neimh, 
agus  uime  sin  chan  eagal  d'a  shaoghal.  Tha  mi 
cinnteach  gu  bheil  e  labhairt  ruinn  f  hathast  leis 
an  ni  iongantach  a  rinn  e  air  ola  na  bantraich. 
Cuir  do  chluas  ri  claisneachd  ach  an  cluinn  thu  : 
1.  Faodaidh  amhghair  a  bhi  an  crannchiir  an 
duine  nhaith.  Tha  sin  cho  iongantach  's  gur  trie 
a  tha  an  duine  maith  fhein  air  a  chur  am 
breislich  leis.     Nach  e  an  duine  niaith  a  thuirt . 

Mo  chridh'  gu  dearbh  ghlan  mi  gun  sta, 
'San  neochiont'  nigh  no  ]amh  ; 
Oir  buailt'  is  smachdaichte  ta  mi, 
Gach  madain  's  feadh  gach  la. 

Is  e  bantrach  faidh  air  a  bheil  iomradh  's  a 
cheann-teagasg.  Chan  'eil  bantrach  air  bith  aig 
nach  'eil  sgeula  bhronach,  ach  tha  i  so  a'  gearain 
air  freasdal  cruaidh  agus  gum  bu  duine  a  bha 
'n  a  fear  "  air  an  robh  eagal  an  Tighearna." 
Bha  a  h-amhghair  searbh  bronag,  agus  anns  an 
t-suidheachadh  'san  robh  i  sharuich  e  a  eridhe 
s  a  creideamh,  agus  so  aon  fhear  nach  urrainn 
sin  a  thilgeil  oirre.  Cha  robh  i  aineolach  air 
tinneas  'n  a  tigh,  agus  co  dhiiibh  bha  e  fada  no 
gorid  thug  e  fasgadh  cruaidh  air  a  eridhe.  Bhai 
am  bas  'n  a  luib,  agus  chuir  esan  a  dheimhis  air 
snathan  beatha  fir  a  graidh,  air  chor  's  gun 
dh'fhasaich  e  a  dachaidh  agus  an  saoghal  oirre. 
A  thuilleadh  air  an  sin,  lom  's  mar  a  dh'fhag  am 
bas  i  tha  fear  nam  fiach  a'  muighinn  oirre.  Tha 
chilis  air  a  thiginn  gu  leithid  a  dh'ire  's  gu 
bheil  e  air  a  roghainn  a  thoirt  di  :  "  Paidh  an 
larach  nam  bonn  air  neo  cuir  an  so  do  dhithis 
mac  gu  bhi  agamsa  'n  an  traillean,  a  reir 
riaghailt  is  reachd  d'aithrichean."  Abair  thusa 
amhghair  !  Tinneas  is  bas,  bochdainn  is  an- 
iochd,  acras  is  anshocair  :    'san  aon  ardoich  ! 

Tha  diomhaireachdan  am  beatha  an  duine 
nach  'eil  furasd  an  rannsachadh,  agus  a  reir 
sgeula  gach  eachdraidh  chan  'eil  do!  as  aig  an 


duine  mhaith  uatha.  Tha  aon  ni  cinnteach  agus 
is  maith  gu  bheil  :  chan  ann  an  sogh  agus  an 
solas  'san  t-saoghal  so  a  tha  dhuais  aig  an  duine 
mhaith.  Cha  trie  a  tha  an  duine  le  Dia  'n  a 
chuis-fharmaid  'san  t-seadh  sin.  Cha  leig  Dia  le 
Satan  a  radh  :  ma  tha  sluagh  aig  Dia  anns  an 
t-saoghal  gur  maith  a  phaidheas  sin  dhaibh  ; 
gun  chinnich  buar  is  bathar  fo  an  laimh  air  a 
shon  '.  "  Obair  a  lamh  bheannaich  thu,  agus 
dh'fhas  a  mhaoin  mor  san  tir."  Tha  cuid  a 
dh'iarras  Criosd  a  leantainn  f hathast  ris  an 
can  e  :  "  Tha  tuill  aig  na  sionnaich  agus  hid 
aig  eunlaith  an  athair  ach  chan  'eil  aig  Mac  an 
duine  aite  san  cuir  e  cheann  fodha."  Is  e 
sill  an  seorsa  air  nach  eil  an  saoghal  airidh — 
iadsan  a  leanas  Croisd  air  a  sgath  fhein. 

2.   Cha  sgar  amhghair  an  dui7ie  maith  o  Dhia. 

Bha  uair  ann  is  b'fhearr  leis  an  naoidhein  am 

bainne  na  mhathair,  ach  thainig  an  latha  'sam 

b'aill  leis  a  mhathair  na  'm  bainne."     Is  maith 

an  comharra  air  fas  leanabh  an  Tighearna  ma's 

aill  leis  Criosd  na  na  beannachdan  a  tha  Criosd 

a'  cm-  a  rathad,  agus  ma's  mo  e  dha  na  na 

h-amhghairean    a    tha    'g    a    sharuchadh    'san 

t-slighe.     Is  ann  anns  a'  ghearain  a  thainig  a' 

bhantrach  ud,  agus  cha  b'e  sin  a'  h-uile  gearain. 

Ach  CO  dh'  ionnsaigh  a  thainig  i  ?     Nach  ann  a 

dh'ionnsaigh  Dhe  dha  riribh  ?    Is  ann  searbh  gu 

leor  a  bha  a  gearain,  agus  a  theagamh  gur  h-e 

rinn  searbh  buileach  e  gim  robh  i  faicinn  lamh 

an  Tighearna  'n  a  h-amhghair.     Is  ann  direach 

air  an  aobhar  sin  a  tha  i  tighinn  a  dheanamh  a 

gearain  ris.     Ma  tha  suathallas  aig  a  gearain  ri 

bhi  gearain  air  is  ann  dha  fhein  a  tha  i  nochdadh 

leon  a  eridhe.     Cha  teid  i  gu  neach  eile  is  i 

gearain  air  Dia.     Bha   Maois   uair  eigin  is   e 

fhein   an   cas   cruaidh.      Bha    an   Tighearna   a 

ghairm  e  agus  a  chuir  e  air  ceann  a  shluaigh,  air 

a  radh  ris  :    "  Imich,  falbh  suas  as  a  so,  thu  fein 

agus  an  sluagh  .   .   .  oir  cha  teid  mi  suas  ad 

mheasg,   etc."      Cha   b'iongantach   idir  ged   a 

mheasadh  e  gun  robh  aobhar  gearain  aige  air 

Dia.     Bha  sin  aige,  ach  cha  b'ann  an  cluasan 

Aaroin   no   losua   a   thaom   e   a   ghearain,   cha 

b'ann  riu  a  bha  ghnothuich.     Chaidh  e  steach 

do'n  phailiun  leis,  far  an  do  labhair  e  fhein  agus 

Dia  ri  cheile  mar  a  labhras  caraid  ri  caraid.    An 

sin  chuir  e  aobhar  a  ghearain  air  Dia  an  lathair 

Dhe   fhein    am   briathran   cho   comhnard    's    a 

b'aithne  dha,  agus  air  ball  thuirt  an  Tighearna 

ris  :    "  Theid  mo  lathaireachd  maille  riut  agus 

bheir    mi    fois    dhuit."      Ma    tha    lamh    Dhe 

tuilleadh  is  trom  ort  agus  aobhar  agad  a  bhi 


^ 


OLA  NA  BANTRAICH— CAIRDEAN  PHOIL 


gearain  air  thoir  a  thaobh  e  agus  cuir  do 
ghearain  'n  a  lathair  gu  comhnard  gus  an  lion  e 
do  chridhe  le  moladh  agus  do  thenaga  le  cliii. 

3.  Gheibk  creideamh  freagradh  grasmhor  agus 
glbrmhor.  Cuinihnich  nach  ann  an  urra  ri 
meadhonan  nadurach  a  tha  Dia  is  e  cur  a  thoil 
naomh  gu  buil.  Cleachdaidh  e  meadhonan  mar 
a  chi  e  iomchuidh,  ach  ma  chi  e  iomchuidh 
cuiridh  e  a  thoil  naomh  gu  buil  gun  meadhon 
idir  a  chleachdadh.  Biodh  ar  cridhe  laidir  anns 
an  eolas  sin  air  Dia  agus  bidh  ar  muinghinn  an 
Dia  a  dh'  eisdeas  iirnuigh  dha  reir.  Gus  an  iarr 
sinn  air  Dia  nithean  a  bhiodh  eu-comasach  do 
dhuine  air  domhan  a  dheanamh  cha  do  dh'ionn- 
saich  sinn  A,  B,  C,  na  h-urnuigh.  Mur  'eil  a 
mhisneach  againn  gun  iarr  sinn  air  Dia  nithean 
a  chosgas  miorbhuil  dha  cha  bhi  ar  n-iirnuigh 
airidh  air  Dia  anns  an  t-seadh  as  lugha. 

Is  ann  air  an  aobhar  sin  nach  fhaod  ar 
creideamh  a  bhi  idir  an  urra  ri  meadhonan 
nadurach.  Feumaidh  creideamh  greim  a 
dheanamh  air  Dia  agus  ar  togail  os  cionn 
nithean  nach  buin  ach  do  nadur  agus  do 
mheadhonan.  B'e  so  an  seorsa  creideamh  a 
bha  aig  a'  cheannard-ceud  :  "  A  mhain  abair  am 
facal."  Tha  an  creideamh  ceart  'g  ar  ceangal 
ri  Dia  agus  a  chionn  s  gu  bheil,  mar  a  thuirt 
Criosd,  "  Tha  gach  aon  ni  comasach  don  neach 
a  chreideas."  Oir  tha  gach  aon  ni  comasach 
do  Dhia  ris  a  bheil  creideamh  ag  earbsa  agus 
ag  amharc.  Chan  ann  anns  a'  chreideamh 
fhein  a  tha  an  eifeachd  ach  ann  an  Dia  a  tha 
uile-chumhachdach  agus  Ian  de  choibhneas- 
graidh. 

Mar  sin  chan  e  mhain  nach  fhaod  sinn 
criochan  a  chur  roimh  Dhia  ann  ar  creideamh 
chan  fhaod  sinn  a  chur  fo  chumhachan  ann  ar 
n-iirnuigh.  Feumaidh  sinn  foighidinn  a  chleach- 
dadh agus  a  shaorsa  f  hagail  aige  chum  freagradh 
ge  b'e  doigh  no  am  a  chi  a  ghliocas  glormhor 
iomchuidh.  Mur  'eil  duine  deonach  gabhail  ri 
freagradh  air  a'  chumha  sin  faodaidh  eaffal  a 
bhi  air  nach  fhaigh  e  freagradh  idir. 

4.  Is  e  ar  comas  air  cur  gu  buil  an  aon  chrioch 
roimh  Bheannachd  Dhe.  Fhad  's  a  mhair 
soitheach  falamh  lean  an  ola  air  ruith.  Nach 
maith  sin  !  Biodh  diiil  again  ri  nithean  mora  o 
Dhia  agus  faodaidh  sinn  oidhirp  a  dheanamh 
air  nithean  mora.  Na  biodh  eagal  oirnn  gum  bi 
gainne  air  a  laimhsan.     Is  e  sinne  a  their  an 


toiseach  :  theirig  na  soitheachan  falamh  mun 
teirig  fialaidheachd  a  chridhe-san  agus  saoib- 
hireachd  a  bheannachd.  Bheir  e  gu  leor  a 
phaidheadh  nam  fiach — gu  leor  a  dheanamh 
cinnteach  nach  bi  na  balaich  air  an  cur  a  chaoidh 
fo  dhaorsa  na  trailleachd.  Fhad  's  a  tha  daoine 
deonach  gabhail,  gu  sonraichte  gabhail  is  cur 
gu  buil,  cumaidh  an  Tighearna  riu  a  saoibhreas 
a  ghrais.  Chan  'eil  mi  fhein  cinnteach  nach  'eil 
barrachd  aig  toil  an  duine  ri  dheanamh  mu 
fhreagradh  iirnuigh  na  tha  daoine  smaoineach- 
adh.  A  bheil  sinn  uile  cho  ionraic  'n  ar  n- 
tirnuigh  's  nach  cuireadh  e  iongantas  oii'nn  gum 
freagradh  Dia  ar  n-iirnuigh  ?  Tha  mi  ag 
Iirnuigh  air  son  naomhachd.  A  bheil  mo 
ghluasad  a  reir  m  iu-nuigh  ?  Tha  mi  ag  iarraidh 
tiodhlac  an  Spioraid.  Ma  thig  e  is  iomadh 
tasdan  a  dh'fheumas  mi  chur  seachad  air  m'ana- 
miann,  agus  a  chur  an  aobhar  an  Tighearna. 
Cia  mar  a  chordas  sin  rium  ?  Ma  thig  e  feu- 
maidh mi  bhi  na's  trice  's  a'  choinnimh-ixrnuigh. 
An  e  sin  as  fhearr  ?  Ma  thig  a  bheir  e  dhomh 
fradharc  as  fhearr  air  peacadh,  agus  chi  mi 
peacadh  far  nach  'eil  mi  'g  a  fhicinn  a  nise.  An 
cord  sin  rium  ?  Agus  sin  gu  leir  fior  a  bheil  mi 
debyiach  gu  freagradh  Dia  an  iirnuigh  sin  ?  Tha 
Augustine  a'  deanamh  iomradh  air  ceilg  a 
chridhe  agus  ged  bha  e  faicinn  soilleir  gu  leor 
ceum  na  corach  agus  a  dhleasdanais  cha  robh  e 
idir  deonach  gum  freagradh  Dia  iirnuigh  a 
thaobh  a'  ghnothuich.  B'e  iirnuigh  :  "  Thoir 
dhomh  beusalachd  agus  neart  modhannail — 
ach  chan  ann  fhathast."  "  Bha  eagal  orm," 
tha  e  'g  radh,  "  gun  eisdeadh  tu  rium  ro 
aithghearr  agus  gun  leighiseadh  tu  mo  ghalair, 
oir  's  e  bha  dhith  orm  riarachadh  's  cha  b'e 
leigheas."  Rannsaich  do  chridhe  an  uair  a  tha 
thu  'san  uaigneas  ach  a  bheil  thu  deonach  gum 
freagradh  Dia  d  iirnuigh.  Thig  a  dh'ionnsaigh 
Dhe  le  cridhe  glan,  agus  ni  sin  an  iirnuigh  glan. 
An  uair  a  thig  thu  na  iarr  gras  air  Dia  Chal- 
bhari  nach  'eil  thu  deonach  a  chur  gu  buil.  Ma 
's  e  's  nach  'eil  thu  Ian  deonach  dean  d 'iirnuigh 
am  briathran  fir  eile  : 

Gu  d'  theisteas  naomh  's  chan  ann  gu  sannt. 
Mo  chridhe  hib  a  Dhe. 

"  Thoir  am  ionnsaigh  fathast  soitheach.  Agus 
thuirt  esan  rithe  :  Chan  'eil  soitheach  ann 
tuilleadh.  Agus  stad  an  ola."  Cha  do  stad 
gus  an  sin. 


Cairdean  Phoil 

Apollos 


aM  measg  nan  cairdean  a  chuidich  Pol  cha  robh 
^  moran  a  bheireadh  barr  air  Apollos.  Cha 
robh  duine  bu  luaithe  a  dh'aidicheadh  sin  na 
Pol  fhein  :  "  Shuidhich  mise,  dh'uisgich  Apol- 
los, ach  is  e  Dia  a  thug  am  fas." 


Shaoileadh  duine  o'n  ainm  Apollos  gum  bu 
Ghreugach  e — b'e  sin  ainm  aon  de'n  diathan. 
Ach  b'e  bh'ann  ludhach  a  bhuineadh  do  Alecs- 
andria — baile  mor  an  ceann  a  tuath  Africa. 
Fhuair  e  an  t-ainm  sin  o  Alasdair  mor,  righ  na 


CAIRDEAN  PHOTL 


3 


Greige.  B'e  thog  am  baile.  Bha  aireamh 
nihor  ludhach  a'  gabhail  comhnaidh  an  Alecs- 
andria.  Bha  iad  aon  uair  'n  an  tuathanaich, 
ach  cosmhail  ri  ar  luchd-diithcha  fhin,  thoisich 
iad  air  doirteadh  a  stigh  do  na  bailtean  mora. 
Sin  mar  a  tha  iad  gus  an  latha  an  diugh.  Tha 
cuimhne  aig  an  sgriobhadair  sealladh  fhaotainn 
air  ainmean  luchd-siubhail  gu  America.  Bha 
corr  is  da  cheud  ludhach  'n  am  measg.  "  Seall," 
ars'  an  t-oifigeach  a  bha  bruidhinn  ris,  "  chan 
'eil  aon  de  na  h-Iudhaich  a'  dol  a  dh'ionnsalgh  na 
diithcha.  ach  a  dh'ionnsaigh  nam  bailtean."  Ach 
rugadh  agus  thogadh  Apollos  's  a'  bhaile  mhor. 

Is  e  a'  cheud  ni  a  tha  gairm  ar  n-aire  dh'ionn- 
saigh Apollos,  gun  do  rinn  e  feum  maith  de  na 
sochairean  a  bh'aige  an  Alecsandria.  Chuir  e 
roimhe  a-u  faiffheadh  e  am  foghlum  a  b'arda  a 
bha  's  a'  bhaile,  agus  cha  robh  sin  beag.  Cha 
robh  oilthigh  air  an  t-saoghal  co-ionann  ri 
oilthigh  Alecsandria,  agus  cha  robh  fear-teagasg 
ann  bii  mho  na  Philo — aon  de'n  luchd-teagasg 
a  bh'aig  Apollos.  Tha  cuimhne  air  gus  an  la 
an  diugh.  Cha  robh  baile  anns  an  t-saoghal 
anns  an  robh  urad  a  leabhraichean.  A  bhar- 
rachd  air  an  sin  bha  an  Seann  Tiomnadh  air 
eadar-theangachadh  gu  Greugais  an  la  Apollois 
— a'  chainnt  a  b'fhearr  a  thuigeadh  e.  Tha 
beul-aithi-is  gun  robh  e  fein  air  aon  de'n  luchd- 
eadar-theangachaidh.  Canar  ris  a'  BhiobuU  sin 
an  Septuagmt.  Tha  e  ceart  cuideachd  gum  biodh 
e  air  a  radh  gun  robh  da  sgoil  mhor  an  Alecs- 
andria a  bha  n  an  cuideachadh  do  Apollos — 
sgoil  feallsanachd  agus  sgoil  diadhaireachd. 
Tha  e  fior  nach  dean  foghlum  searmonaiche, 
ach  cha  dean  aineolas  idir  searmonaiche.  Diadh- 
airean  eudmhor,  dileas,  agus  mar  a  bha  Pol 
agus  Apollos  cha  robh  iad  air  an  obair  a  rinn  iad 
a  dheanamh  as  eugmhais  am  foghlum  a  bh'aca. 
Na  h-ainmean  as  mo  an  eachdraidh  na  h-eaglais ; 
Maois,  Daibhidh  ;  Origen,  Augustine  ;  Cal- 
bhin,  Luther  ;  Melville,  Chalmers  ;  bha  iad 
ainmeil  air  son  foghlum  cho  maith  's  air  son 
diadhachd.  Air  an  laimh  eile,  faodaidh  mor 
aimideachd  a  bhi  comhla  ri  nlor  fhoglum.  Tha 
iad  a'  glanadh  nan  sraidean  a  choisinn  gu  beag 
gach  urram  a  b'urrainn  na  h-oilthighean  a  chur 
orra.  Ach  bha  eachdraidh  eile  aig  Apollos. 
Chan  aithne  dhuinn  ni  sam  bith  mun  teaghlach 
anns  an  do  thogadh  e  ;  ach  ge  b'e  doigh  air  an 
do  thachair  e  thainig  Apollos  gu  bhi  air  aon  de 
dheisciobuil  Eoin.  Ged  nach  i-obh  E!,oin  fhein 
beo  'n  a  latha  bha  dheisciobuil  beo.  Fhuair 
iadsan  greim  air  Apollos  agus  trompasan  fhuair 
an  Tighearna  greim  air,  gus  mu  dheireadh  an 
d'thainig  e  gu  bhi  an  duine  mor  's  an  duine 
diadhaidh  a  bha  e. 

Cha  chuir  e  ioghnadh  oirnn  mar  sin  ged 
choisrig  e  bheatha  ann  an  aobhar  an  t-Soisgeil. 
Bha  e  cho  uidheamaichte  air  son  sin  agus  gu 
bheil  Lucas  ag  radh  gun  robh  a  bhriathran  mar 
uisge  a'  goil  thairis,  no  mar  a  tha  Pol  ag  radh  ; 


mar  shruthain  fhionnar  air  lios  loisgte.  Tha  e 
'n  a  fhacal  cumanta,  an  uair  a  thig  an  uair  gun 
tig  an  duine,  agus  sin  mar  a  thachair  an 
Ephesus.  An  aite  Phoil  thainig  Apollos,  agus 
cha  b'fhada  gus  am  facas  an  duine  bh'ann  : 
deaschainnteach,  cumhachdach  's  na  Sgrio- 
bturan,  teth  'n  a  spiorad.  Theagaisg  e  na 
b'aithne  dha  mu  Chriosd.  Ach  eudmhor,  fogh- 
lumte  s  mar  a  bha  e  cha  robh  e  ach  gle  neo- 
iomlan  mar  shearmonaiche.  Cha  b'aithne  dha 
ach  baisteadh  Eoin.  B'aithne  dha  peacadh 
agus  olc  a'  pheacaidh,  ach  cha  b'aithne  dha 
Criosd  mar  "  uan  De  tha  toirt  air  falbh  peacadh 
an  t-saoghail."  Chan  'eil  e  coltach  cuideachd 
gun  robh  eolas  sam  bith  aige  air  an  Spiorad 
Naomh.  Ach  a  dh'aindeon  sin  uile,  ghluais  e 
ffu  beaff  am  baile  uile,  direach  do  bhriffh  agus 
gun  robh  e  coguiseach  anns  an  ni  a  b'aithne 
dha.  Ged  bha  n  ceann  cearr  bha  n  cridhe 
ceart.  Chan  'eil  e  doirbh,  ma  tha,  an  seorsa  sin 
a  theagasg.  Thachair  am  measg  an  luchd- 
eisdeachd  a  bh'aig  Apollos  an  Ephesus,  gun 
robh  Priscila  agus  Acuila.  Theagaisg  iadsan 
dha  slighe  an  Tighearna  na  bu  choimhlionta. 
Agus  mar  a  tha  aon  ag  radh,  "  Chan  'eil  fhios 
againn  ciod  e  as  mo  tha  ri  mholadh,  dilseachd 
Phriscila  agus  Acuila  na  irioslachd  Apollois,  a' 
gabhail  teagasg  o  dhithis  a  bha  cho  fada  air 
dheireadh  air  fhein  ann  am  foghlum.  Co 
dhiiibh,  taobh  air  thaobh,  bha  an  duals  aca.  A 
mach  uaithe  sin  thoisich  priomh  obair  Apollois 
— obair  moran  na  bu  mho  na  air  a  bheil  cunntas 
againn. 

Thoisich  an  obair  sin  an  Corintus.  Bha 
Apollos  air  a  threorachadh  an  sin  leis  na  chuala 
e  o  Phriscila  agus  Acuila  mun  obair  mhor  a  rinn 
Pol  am  measg  nan  Corintianach,  agus  am  feum 
a  bh'ann  gun  leanadh  fear-teagasg  neo- 
chumanta  e. 

Tha  e  co-shinte  ri  reuson  nach  'eil  e  soirbh  do 
eaglais  an  toiseach  a  toiseachaidh  cumail  air 
n-adhairt  as  eugmhais  i  bhi  air  a  h-arach  le 
nithean  Spiorad  Dhe.  Tha  am  fear-teagasg 
cho  feumail  ris  an  t-soisgeulaiche.  Cha  leor 
luibh  a  bhi  air  a  cur  anns  an  talamh,  feumar  a 
h-uisgeachadh.  Agus  Ian  uisgich  Apollos  an 
luibh  a  shuidhich  Pol  an  Corintus,  gus  mu 
dheireadh  an  deacliaidh  iomradh  an  athbheo- 
thachaidh  am  fad  s  am  farsuing.  Gu  cinnteach 
dh'fhaodadh  Pol  a  radh  :  "  Shuidhich  mise 
dh  uisgich  Apollos,  ach  is  e  Dia  a  thug  am  fas." 

Faodar  suim  na  tha  dol  air  thoiseach  a  chur 
ann  am  beagan  bhriathran.  Bi  dileas  do'n 
Tighearna  losa.  Thoir  do  chridhe  's  do  bheatha 
dha.  Bi  dileas  don  eaglais  a  cheannaich  e  le 
fhuil.  Bi  dileas  do  do  chairdean  :  bhasaich 
Criosd  air  an  son.  Thoir  leat  eisimpleir  mhais- 
each  Phoil  agus  Apollois.  Chuir  an  cairdean  a 
mach  air  aon  a  cheile  air  an  son — cuid  ag  radh  : 
"  Is  le  Pol  mise  "  ;  cuid  eile  :  "Is  le  Apollos 
mise."     Ach  cha  deachaidh  Pol  agus  Apollos  a 


CAIRDEAN  PHOIL—MARBHRANN 


mach  air  a  cheile.  Far  an  robh  iad  a'  cheud 
latha  bha  iad  ann  an  latha  niu  dheireadh.  Is  e 
ni  ion-mholta  a  tha  ann  an  sin.  Chan  'eil  e  idir 
cumanta,  agus  air  uairean  tha  eagal  oirnn  nach 
'eil  e  cho  cumanta  agus  a  bha  e.  Tha  cuid  ann 
agus  cha  chum  iad  cairdean  uine  sam  bith — 
chan  'eil  iad  cairdeil.  Tha  cuid  eile  ann  agus 
an  deidh  a  bhi  bliadhnachan  'n  an  cairdean 
foghnaidh  ni  faoin  air  son  cur  eatorra  's  cha  bhi 


iad  'n  an  cairdean  na's  mo.  Is  maiseach  an 
cairdeas  a  mhaireas.  Ann  an  eud  'san  irios- 
lachd  tha  Apollos  'n  a  eisimpleir  againn.  Mur 
urrainn  sinn  a  radh  gu  bheil  na  h-ard-bhuadhan 
againn  a  bh'aigesan  tha  an  aon  Mhaighistir 
againn  agus  an  aon  ghealladh  :  "Is  leor  mo 
ghras-sa  dhuit,  oir  tha  mo  chumhachd  air  a 
dheanamh  foii-fe  ann  an  anmhainneachd." 

E.  G. 


Marbhrann 

Air  Ruaraidh  MacLe5id,  nach  maireann,  a  Biranaraidh  na  h-Earadh 


SEINNIDH  mi  dan   s  cha  nar  leam  aithris, 
_  Ged  's  craiteach  airsnealach  mi  ; 
Air  teist  agus  cliii  an  fhiiirain  mhaisich, 
Bha  cliiitach  's  tlachdmhor  'n  ar  linn  : 
'S    a    ghairmeadh    'san    uair    gu    suaimhneas 

dhachaidh, 
Gu  duais  nach  dealaich  a  chaoidh  ; 
Le  trusgan  na  gloir  'g  a  chomhdach  thairis, 
Mun  bhord  aig  caisteal  an  righ. 

'S    e    Ruairidh     MacLeoid,    's    c6    dha    nach 

b'aithn'  e  ? 
Bha  chomhnaidh  againn  san  ait'  ; 
'S  a  dhealaicheadh  uainn  Di-luain  le  cabhaig, 
Chuir  gruaim  air  eilean  a  thamh. 
Bha  gairm  air  o  shuas  le  luath's  gun  mhoille, 
'San  uair  air  tarruing  an  aird  ; 
A  gleann  nan  deoir  thar  lordan  thairis, 
Le  lochran  laiste  'n  a  laimh. 

Mar  athair  do'n  chloinn  bha  loinn  is  gean  air, 

Gu  coibhneil  carthannach  tlath  ; 

'N  a  dhachaidh  gach  uair  gun  ghruaim  gun 

smalan, 
Ach  fuaight'  ri'n  anam  le  baigh  ; 
'S  mar  fhianuis  air  fein  'n  a  threud  air  thalamh, 
Lan  eud  mu  cheannard  a  ghraidh  ; 
'S  e  'n  diugh  leis  air  neimh  'n  a  sheud  ro  mhais- 

each, 
Mar  reult  a'  dealradh  gu  h-ard. 

Ged  bu  ghoirid  a  fhuair  e  chuairt  air  thalamh. 

Bha  chuairt   n  a  beannachadh  dha  ; 

Le  iimhlachd  is  speis  toirt  geill  dha  ghealladh, 

Rinn  neamh  is  talamh  le  lan. 

Cur  gearainean  ur  do  chiiirt  na  flaitheas, 

Le  urnuighean  's  tagraidhean  blath  ; 

'S  ag  iarraidh  le  miann  fo  dhion  na  fala, 

'S  fo  sgiathan  beannaicht'  gu  brath. 

Ged  tha  sinn  fo  bhron  tha  dochas  againn, 

Gur  leor  's  gur  pailt  dhuit  a  ghradh  ; 

Gu  bheil  thu  fa  dheoidh  's  a'  ghloir  a  mhaireas, 

Ag  61  a  abhainn  nach  traigh  ; 

Gu  bheil  thu  'san  dion  gu  sior  a  mhaireas, 

A  mhiannaich  d'aigne  gach  la  ; 

Fo  sgaile  bith-bhuan  nach  gluais  's  nach  caraich, 

O  !   's  luachmhor  Carraig  nan  al. 


Ged  laigh  thu  'san  uaigh  tha  cruaidh  ri  aithris 

Cha  dual  gum  fan  thu  fo'n  fhod  ; 

Gun  diiisgear  thu  suas  a  suain  do  chadail, 

Le  fuaim  an  latha  bhios  mor  : 

Chan  fhagar  leis  thu  'san  iiir  fo  glasan, 

'S  gur  miiirneach  d'anam  an  gloir  ; 

'Nuair  chrathar  leis  suas  an  cuan  'san  talamh, 

Toirt  uap'  na  ghabh  iad  fo'n  cleoc. 

Tha  trusgan  a'  phosaidh  oirdhearc  umad, 

Cha  chaill  e  tuille  a  shnuadh  ; 

Cha  chath  e   s  cha  chrion  's  chan  iarr  e  tuthag, 

Ach  sgiamhach  uile  mun  cuairt  ; 

Na's  soilleir  na  fiamh  na  sgiamh  na  maise, 

Na  ghrian  a'  dealradh  o  shuas  ; 

'S  i  uile  gu  leir  'n  a  h-eideadh  maiseach, 

'S  b'e  deidh  gach  anam  cur  suas. 

Gu  'n  caidil  ar  linn  bidh  cuimhne  mhath  ort, 

'S  an  linn  a  dh'fhanas  'n  ar  deidh  ; 

Bidh  iomradh  gach  uair  air  sluagh  nam  bean- 

nachd, 
A  ghluais  'n  a  reachdan  gu  leir  ; 
Na  fianuisean  coir  bha  'g  61  air  thalamh, 
Mun  bh6rd  an  talk  Mhic  Dhe  ; 
Bha  leantainn  an  Uain  cur  luach  gun  chean- 

nach, 
Gach  cruadh's  troimh   n  deach  e   n  am  feum. 

Bidh  cuimhneachan  oirbh  nach  meirg  lesmal  air, 

Cha  teirig  bhi  'g  aithris  air  cliu  ; 

Cha  bhasaich   's  cha  searg  ar  n-ainm   's  chan 

annas, 
Ach  foirbh  a'  fantainn  cho  iir  ; 
Sibh  geugan  dhe'n  fhionan  fiorghlan  fallain, 
Measg  crionaich  ghreannach  gun  siigh  ; 
Ar  toradh  gach  la  a'  fas  cho  flathail, 
Le  gradh  le  tlachd  agus  muirn. 

E  cumail  'n  ar  cuimhne  righ  na  cathrach, 

Ar  tim  cho  aithghearr  's  ar  reis  ; 

O  !   giorrad  ar  la  mar  sgail  is  faileas, 

A  tharlas  thairis  mar  sgeul  ; 

'Nuair  ghearras  e  uainn  a  shluagh  le  cabhaig, 

Bha  luachmhor  againn  mar  threud  ; 

Nach   coigrich   's   luchd-cuairt   a  fhuaradh   an- 

nainn, 
'S  cha  dual  dhuinn  fantainn  'n  an  deidh. 
Eaciiann  Macfhionghain, 

Biarnaraidh  na  h-Earadh. 


SEANACHAS— DUGHALL  BOCHANNAN 


Seanachas— XII 

Salm  xxiii.  6. 
Gillean-Frithealaidh  Nan  Creidmheach 


"VTACH  e  bha  sona  Daibhidh  'n  a  aoigh  aig 
i-^  an  Tigheai-na  !  Bu  shaoibhir  a  Ion,  bu  Ian 
a  chiipan,  bu  bheannaichte  a  chor.  Fhuair  e  a 
leithid  de  shuaimhneas  's  gun  do  sheinn  e  : 

Cha  bhi  dith  a  chaoidh  air  m'anam. 

Bu  mhaith  bha  fios  aige  gun  robh  gu  leor  anns 
an  stor  as  an  robh  e  faotainn  a  chuid  gu  pailt 
gach  la.  Bu  mhaith  bha  fios  aige  nach  tigeadh 
uireasbhuidh  no  dith  air  fior  aoighean  a 
Thighearnasa. 

Gach  la  is  uair  bha  dithis  ghillean-frithealaidh 
ri  a  thaobh  is  aig  a  ghualainn,  a'  feitheamh  gu 
seirbhis  a  dheanamh  dha.  B'iad  seirbhisich  an 
righ,  air  an  cur  a  mach  chum  frithealaidh 
dhaibhsan  a  bhios  n  an  oighreachaibh  air 
slainte.  B'ainmeil  na  seirbhisich  iad.  Bha 
iomradh  mhor  orra  anns  na  h-uile  linn.  Agus 
bha  iad  c!io  maith  's  a  b'ainm  dhaibh.     Ghoirte 

Maith  "  ri  fear  dhiubh  agus  "  Trocair  "  ris 
an  fhear  eile.  B'iad  sud  na  gillean-frithealaidh 
furanach,  furachar,  fritheilteach  !  Is  aithne 
dhaibh  feuman  nan  aoighean  mar  tha  iad  ag 
eirigh  gach  aon  mhionaid,  agus  tha  iad  ullamh 
gu  'n  coinneachadh.  Cha  tuit  clo  chadail  no 
suain  orra.  Chan  'eil  uair  no  la  ann  am  beatha 
nan  aoighean  anns  nach  'eil  maitheas  an 
Tighearna  agus  trocair  an  Tighearna,  mar 
ghillean-frithealaidh  a'  feitheamh  gu  seirbhis 
a  dheanamh  dhaibh.  An  uair  a  bhios  am  bord 
lom  tha  iad  sin  'g  a  chomhdach  a  rithisd  gu 
saoibhir.  An  uair  a  tha  an  ciipan  falamh  tha 
iad  'g  a  lionadh  gu  cur  thairis  !  Tha  iad  ag 
ungadh  an  cinn  agus  ag  ionnlad  an  casan  gu 
trie.  Chan  'eil  beannachd  a'  tiohinn  gu  aoigrhean 
grais  nach  'eil  air  a  frithealadh  le  lamhan 
saoithreach,  gniomhach,  an  dithis  sin.  Sin  a 
chunnaic  Daibhidh,  agus  c6  an  t-aoigh  nach 
'eil  a'  cur  Amen  ris  ? 

Bha  Daibhidh  a'  creidsinn  gun  leanadh  na 
seirbhisich  ud  e  cho  fad  s  bu  bheo  e.  Bha  e  a' 
creidsinn  nach  diochuimhnicheadh  agus  nach 
dearmadadh  iad  e  gu  brath — gun  rachadh  iad 
leis  ge  b'e  taobh  an  teidheadh  e — gum  biodh 
iad  a'  feitheamh  air  ffe  be  aite  no  suidheachadh 


anns  am  biodh  e.  Bhiodh  iad  air  a  shall  is  aig 
a  ffhluin  is  aig  uilinn  gu  bhi  frithealadh  air. 

Bu  sholasach  an  creideamh  a  bh'aige  !  Bidh 
an  la  dorch  da  riribh,  agus  bidh  cor  an  anam 
truagh  da  riribh  an  uair  a  sguireas  iad  sin  de 
bhi  frithealadh  !  Nach  eagalach  cor  a'  chreutair 
a  tha  air  a  threigsinn  le  maith  agus  trocair  ? 
Seadh.  eun  teaffamh,  ach  ciod  e  'm  barrant  a 
bh'aig  Daibhidh,  no  tha  agad  fhein,  gu  bhi 
creidsinn  nach  tig  an  la  anns  an  sguir  iad  de  am. 
frithealadh  ?  So  am  barrant  a  bha  aig  Daibhidh : 
gum  b'iad  sud  (maith  agus  trocair)  buadhan 
siorruidh  Dhe,  nach  urrainn  bhi  air  an  athar- 
rachadh  gu  brath.  An  la  a  sguireas  esan  de 
bhi  frithealadh  le  mhaitheas  agus  a  throcair 
air  na  h-aoighean  ris  an  do  ghabh  e  sguiridh  e 
de  bhi  an  Ti  as  e. 

Chan  'eil  teagamh  ann  an  inntinn  Dhaibhidh 
air  a'  chiiis.  Tha  e  ag  radh,  le  aoibhneas  air  a 
chridhe,  tha  sinn  uile  faireachadh  an  uair  a 
leughas  sinn  an  Salm  so  :  "  Gu  cinnteach," 
ars'  esan,  "  gu  cinnteach  leanaidh  maith  agus 
trocair  mi  uile  laithean  mo  bheatha."  O,  nach 
e  bha  gu  maith  dheth  !  Nach  bu  mhaith  leat 
a  bhi  coslach  ris  ?  Feuch,  ma  tha,  an  cuir  thu 
thu  fein  'n  a  aite.  Suidh  sios  far  an  robh  esan 
'n  a  shuidhe.  Thig  gu  casan  Chriosd.  larr  air 
gabhail  riut.  Tha  thu  ruith  bho  ruaig.  Tha 
luchd-diolaidh  na  fala  an  toir  ort.  Tha  thu  ann 
an  cunnart.  Bidh  tu  air  do  sgrios  mur  gabh 
e  stigh  thu.  Ach  pia  ghabhas  cuiridh  e  thu 
am  measg  aoighean  aig  a  bhord,  am  measg  a 
chuid  cloinne  'n  a  thigh.  Bheir  e  aoigheachd 
agus  olachas  dhuit.  Sgaoilidh  e  do  bhord. 
Lionaidh  e  do  chiip.  Ungaidh  e  do  cheann. 
Fritheilidh  "  maith  agus  trocair  dhuit."  Gabh 
thus  an  t-aite  a  bheir  iad  dhuit,  agus  gabh 
uatha  le  buidheachas  na  bheir  iad,  agus  faodaidh 
tu  bhi  cho  sona  ri  Daibhidh  fhein,  agus  a  bhi 
seinn  maille  ris,  agus  maille  ri  aoighean  grais 
anns  gach  linn  : 

Leanaidh  maith  is  trocair  riiim, 

An  cian  a  bhios  mi  bed  : 
Is  comhnaicheam  an  aros  De, 

Ri  fad  mo  re  's  mo  15. 

Alasdair  Macrath. 


Dughall  Bochannan 

Earrann  II 

1~^ H'FH AG  Diighall  Bochannan  cunntassgrio-  iomradh  air  bith.     Coltach  ri  Iain  Buinian  bha 

J^-'bhta  air  a  bheatha  fein  gus  an  robh  e  mu  caithe-beatha    Dhiighaill    Bochannan,    gus    an 

thimchioU   ceithir   bliadhna   deug   ar  fhichead.  robh  e  air  iompachadh  aig  aois  sheachd  bliadhna 

Bha   e  beo  ochd   bliadhna   deug   an   deidh   so.  fichead,    air    leth    olc    peacach    agus    graineil. 

ach  air  a'   chuid  so   de  chuairt  cha  d'fhag  e  Tha  e  toirt  mion-chunntas  duinn  air  "so   'san 


6 


DUGHALL  BOCHANNAN 


sgriobhadh  a  dh'fhag  e  air  a  bheatha  fein. 
Chan  'eil  peacadh  anns  an  do  thuit  e,  no 
diibhailc  dh'an  robh  e  buailteach,  no  olc  air 
bith  a  bha  e  deanamh  air  nach  'eil  e  ag  innseadh 
dhuinn  'san  iomradh  a  dh'fhag  e  air  a  chaithe- 
beatha  fhein.  Tha  e  gu  sonraichte  ag  innseadh 
dhuinn  mar  a  bha  e  'n  a  chleachdadh  aige  bhi 
mionnachadh  's  a'  mallachadh.  "  Bhithinn," 
tha  e  "g  radh,  "  an  am  falbh  an  rathaid  mhoir 
a'  mionnachadh  'n  an  aghaidh-san  a  thoill 
m'fhuath,  no  bha  'n  an  cuspairean  gamhlais 
agam,  a  chionn  nach  robh  seol  eile  agam  air 
mo  dhioghaltas  a  thaisbeanadh  dhaibh."  Bha 
e  cuideachd  'n  a  bhreugaire,  oir  thuit  e  ann  a 
leithid  de  staid  is  gum  bu  ghann  a  b'urrainn  e 
facal  firinn  a  labhairt.  Bha  e  mar  an  ceudna 
'n  a  fhear-briseadh  Sabaid  agus  a'  deanamh 
dearmad  air  meadhonan  nan  gras — air  a' 
Bhiobull,  air  urnuigh,  agus  air  aoradh  Dhe. 
Thuit  e  am  measg  dhroch  chompanach  agus 
bha  e  air  a  thoirt  a  thaobh  chum  misge  agus 
dhroch  chleachdaidhean  eile.  Air  uairibh  bha 
e  air  a  bhuaireadh  gu  bhi  labhairt  gu  faoin  air 
nithean  diadhaidh.  Air  dha  a  bhi  aon  uair  an 
Dun-eideann  agus  e  an  cuideachd  a  bha  labhairt 
mu  chreidimh,  dh'fheoraich  neach  dheth  ciod 
bu  chreideamh  dhasan.  Fhreagair  e  gun  robh 
e  fathast  coltach  ri  clar  de  phaipeir  glan,  air 
am  faodadh  e  ni  sam  bith  a  b'aill  leis  a  sgrio- 
bhadh. "  A  bheil  thu  ?  "  ars  an  duine.  ^'  Ma 
tha  bheir  mise  comhairle  ort ;  Thoir  deagh  aire 
nach  sgriobh  an  diabhol  rud  eigin  ort,  agus  ma 
ni  e  sin  cha  bhi  thu  na's  fhaide  glan."  Chuir 
am  freagradh  so  Diighall  fo  leithid  a  dh'amh- 
luadh  is  nach  robh  fios  aige  ciod  an  taobh  a 
shealladh  e,  oir  bha  naire  air  gun  do  labhair 
e  cho  neo-urramach  mu  thimchioll  diadhachd,- 
agus  Ian  chuir  e  roimhe  nach  labradh  e  air  a' 
mhodh  cheudna  mu  dhiadhachd  gu  brath 
tuilleadh. 

'Nuair  a  bha  Dughall  a'  caithe  iiine  mar  so, 
gun  umhaill  do  Dhia  no  do  dhiadhachd  theasairg 
anTighearna  'n  a  fhreasdal  e  o  iomadh  sgiorradh 
agus  cunnart.  Aon  uair  thuit  e  an  abhainn 
Bhalbhaig  dliith  do  thigh  athar  agus  theab  e 
bhi  air  a  bhathadh,  "  ach  "  deir  Dughall,  "  thug 
an  Tighearna  le  fhreasdal  iongantach  air  a' 
bhuinne  m'iomain  fagus  gu  tir  agus  rinn  paiste 
nighinn  a  bha  re  na  h-iiine  'n  a  seasamh  air 
bruaich  na  h-aibhne,  mo  tharruing  gu  tir  le 
racan  feoir.  Ach  cha  do  ghabh  mi  na  freasdalan 
iongantach  so  a  dh'ionnsaigh  mo  chridhe,  ach 
bhuanaich  mi  air  m'aghaidh  mar  a  rinn  mi 
roimhe."  Aig  am  eile  thuit  e  am  fiabhrus,  agus 
an  uair  a  dh'amhairc  am  bas  e  'san  aodann 
cha  b'urrainn  cainnt  bhi  cur  an  ceill  dorainn 
anma.  Thoisich  e  air  dol  fo  bhoidean,  na'n 
saoradh  Dia  e  o'n  tinneas  so  gim  deanadh  e 
seirbhis  do'n  Tighearna  tuilleadh  re  a  bheatha. 
Ach  bu  ghann  a  chaidh  e  am  feabhas  o'.i  tinneas 
so  na  dh'fhas  e  sgith  dhe  bhoidean.     Air  dha 


aon  latha  fliuch  a  bhi  tighinn  a  Dun-eideann 
thuit  an  oidhche  air  an  uair  a  bha  e  aig  an 
Eaglais  Bhric.  "  An  uair  a  thainig  mi,"  tha  e 
fhein  ag  radh,"  gu  abhainn  Charthuinn  chaidh 
mi  air  ball  a  mach  air  beul-ath,  gim  ^maointean 
idir  air  an  dortadh  uisge  a  thuit  re  an  latha, 
ach  cha  bu  luaithe  rainig  mi  an  sruth  na 
thoisich  an  t-each  a  bha  fodham  air  call  a  chas, 
agus  a  thaobh  gun  robh  an  oidhche  dorcha 
cha  robh  fios  agam  co  dhiubh  a  rachann  air 
m'aghaidh  no  phillinn  air  m'ais,  ach  air  dhomh 
smaoineachadh  phill  mi  agus  chaidh  mi  null  air 
an  drochaid  a  bha  tacan  beag  air  falbh  o'n 
ath  agus  fhuair  mi  dhachaidh  tearuinte.  B'  e 
cheud  naidheachd  a  fhuair  mi  an  deidh  sin  gun 
deacha  duine  a  bhathadh  an  oidhche  sin  ag 
oidhirpeachadh  dol  a  null  air  an  deai'bh  ath 
air  muin  eich."  Uair  eile  an  uair  a  bha  e  'g 
imeachd  air  sraid  an  Sruithle  theab  e  bhi  air 
a  mharbhadh  le  saisrhdeir  misffcach.  Bha 
gillean  oga  eile  a'  cur  miothlachd  air  an  t-saigh- 
deir,  le  bhi  tilffeadh  luideiff  shalaich  'n  a  aodann. 
Shaoil  leis  gum  b'e  Diighall  aon  dhe  na  bha  'g 
obair  air  agus  tharruing  e  bhiodag  agus  thug 
e  as  a  dheidh.  "  A  thaobh,"  deir  Dughall, 
"  nach  robh  ionad  dideann  eile  dliith  dhomh 
chaidh  ni  steach  ann  an  clabhsa  agus  direach 
mar  a  bha  mi  dol  a  steach,  agus  esan  air  ti  a 
lann  a  shathadh  annam,  dh'orduich  an  Tighearna 
'n  a  fhreasdal  dun  do  thuit  e  an  aghaidh  a 
chinn,  agus  laigh  e  car  iiine  gun  mhothachadh 
gus  an  d'fhuair  mi  teicheadh  le  mo  bheatha." 

Fhad  's  a  bha  Diighall  Bochannan  'n  a  thraill 
aig  peacadh  agus  aig  satan  cha  do  shealbhaich 
e  sith  no  fois  no  toil-inntinn  air  bith.  Fhuair 
e  mach  tre  fhein-fhiosrachadh  gu  bheil  na 
peacaich  cosmhail  ris  a'  mhuir  bhuairte  nach 
un-ainn  a  bhi  aig  fois,  agus  mar  a  tha  an 
Sgriobtur  ag  radh  nach  'eil  sith  do  na  h-aingidh. 
Bha  e  aon  la  Sabaid  a'  falbh  air  feadh  nan  raon, 
agus  thachair  a  phiuthar  air  agus  thug  i  ach- 
mhasan  da  air  son  a  bhi  mi-naomhachadh  la  an 
Tighearna,  ag  radh  ris  :  ma  bhasaicheas  tu 
anns  an  staid  anns  a  bheil  thu  gu  cinnteach 
theid  thu  dhith.  Thuirt  esan  tha  fios  agam  gu 
maith  air  an  sin.  Dh'iarr  i  air  an  sin  a  dhol  a 
dh'ionnsaigh  fuil  Chriosd,  a  ghlanas  air  falbh 
am  peacadh  as  deirge  dath.  Dh'aslaich  i  air 
iirnuigh  a  chur  suas  agus  e  fein  irioslachadh  an 
lathair  Dhe  agus  gun  deanadh  e  trocair  air. 
Rinn  comhairle  a  pheathar  driidhadh  mor  air 
aa;us  thuirt  e  :  A  Dhe  bi  trocaireach  dhomhsa  a 
tha  am  pheacach.  Thoisich  e  air  a  bhi  lathair 
far  an  robh  sacramaid  suipeir  an  Tighearna 
gu  bhi  air  a  frithealadh  aig  Cipen,  Calastraid, 
Maoil,  agus  aig  Cill-saoidh.  Chuala  e  cuideachd 
Whiiejield  a"  searmonachadh  aig  Cambuslang, 
far  an  robh  na  miltean  a'  tighinn  g'a  chluinntinn. 
Air  an  dara  latha  de  mhios  deireannach  a' 
gbtamhraidh  171<3  dh'fhosgail  an  Tighearna  a 
sliUilean  a  chum  an  t-eadar-mheadhonar  f  haicnn 


DUGHALL  BOCHANNAN— LAOIDH 


'n  a  uile  dhreuchdan,  o'n  Sgriobtur  so  :  "  Ach 
uaithe-san  a  ta  sibhse  an  losa  Criosd,  neach  a 
rinneadh  dhuinne  le  Dia  'n  a  ghliocas,  'n  a 
fhireantachd,  'nanaomhachd,  agus  'n  ashaorsa." 
"  Chunnaic  mi,"  deir  Diighall,  "aleithid  de 
shealladh  glomhor  de'n  Tighearn  losa  Criosd 
air  fhoillseachadh  amis  na  briathran  so  nach  bi 
mi  chaoidh  comasach  air  aithris."  Beagan  an 
deidh  so  gheibh  sinn  e  'g  radh  :  "Co  thusa  O, 
a  shleibh  mhoir  ?  Roimh  Sherubabel  fasaidh 
tu  ad  chomhnard  ;  agus  bheir  e  mach  a'  chlach- 
chinn  le  h-iolach  a'  glaodhaich  gras,  gras  gu 
robh  dhi  !  "  "Co  thusa  O  shleibh  mhoir  nan 
eu-ceartan  ?  Roimh  an  Tighearna  losa  Criosd 
fasaidh  tu  ad  chomhnard."  Aig  an  am  so 
dh'inntinn  e  an  cimihnant  ri  Dia,  ag  radh  : 
Nis,  O  Thighearna,  tha  mi  an  so  am  sheasamh 
ad  lathair  am  pheacach  lagh-dhiteach  agus 
fein-dhiteach,  agus  ag  aideachadh  gun  d'thainig 
mi  ffearr  anns  ffach  dleasanas  a  bha  air  iarraidh. 


agus  ciontach  de  gach  peacadh  a  bh'air  a 
thoirmeasg  ad  reachd  naomh,  agus  uime  sin 
fireanaichidh  mi  do  cheart  bhreitheanas  am 
aghaidh,  eadhon  ged  dh'orduicheadh  tu  mi 
chum  na  h-ifrinn  ioclidaraich,  oir  is  e  sin  an 
duais  a  thoill  mi.  Tha  thusa  ceart  agus  fireanta 
agus  do  lagh  naomh  ceart  agus  maith  ;  agus 
mar  chomhar  air  sin  tha  mi  'g  aontachadh  le 
mo  chridhe  agus  a'  sgriobhadh  sios  le  mo  laimh, 
ciontach  de'n  uile  lagh." 

Dh'eirich  cairdean  Dhiighaill  leis  a'  Phrionnsa 
's  a'  bhliadhna  17i5,  agus  bha  cuid  dhiubh  air 
an  diteadh  agus  air  an  cur  gu  bas  le  fianuis 
bhreige.  Dh'altrum  e  dioghaltas  an  aghaidh 
luchd-ditidh  a  chairdean.  Thug  so  air  falbh  a 
shith  fad  dha  bhliadhna  agus  re  na  h-iiine  bha 
e  giulan  ifrinn  'n  a  chridhe  fein.  Ach  leighis 
an  Tighearna  a  chul-sleanihnachadh  agus  bu 
bhreagha  an  creidmheach  e  tuilleadh  an  deidh 
so.  Alasdair  MacDhiarmaid. 


Laoidh 


Nl)  AIR  thainig  losa  dliith  dhomh, 
'S  a  rinn  e  mise  dhhsgadh. 
Bha  Spiorad  a'  cur  iirnuigh  'n  am  lochran  : 
Sin  thainig  saorsa  dliith  dhomh, 
'S  na  neoil  ri  tional  diimhai), 
'S  chaidh  nranam  thoirt  bho  ghrunnd  an  eu-dochais. 

Sin  dh'eirich  mi  le  "lotadh, 
■  A  rannsachadh  na  fiirinn, 
A  dh'fheuchahin  an  robh  cinnt  'na  mo  sholas  ; 
Is  choinnich  rium  am  buachaill, 
A  thog  mi  air  a  ghuaillean. 
Do]  Jeam  gu  dachaidh  bhuan  deanamh  ceol  domli. 

Bha  gheallaidhean  cho  Ian  dhomh, 

'S  nach  b'eagal  leam  am  fasach, 

Ged  rachainn  ann  an  gabhaidhean  mora  ; 

An  namhaid  'g  a  mo  ruagadh, 

Ciir  crith  'n  am  uile  bhuadhan, 

Gidheadh  bha  lamh  a'  bhuachaill  'g  am  threorach. 

O  's  iongantach  ri  innse, 

Mu  bheannachdan  na  f  irinn, 

Tha  leasachadh  nan  diobarrach  leointe  ; 

I>e  maitheanas  is  siochaint, 

'G  am  measgadh  dhaibh  le  milseachd, 

Toirt  beathachaidh  nach  diobair  mar  choir  dhaibh. 

S  e  losa,  chaidh  a  cheusadh, 

A  choisinn  dhuinn  an  reite, 

Le  fuil  na  h-iobairt-reitich  a  dhoirt  e  ; 

'Nuair  bha  e  ann  an  eigin, 

Is  athair  fein  'g  a  threigsinn, 

Bha  anam  air  son  eiric  bho'n  Tophet. 

Bha  'n  uaigh  a'  tagradh  buaidh  air, 

Is  laigh  e  innte  fuaraidh, 

Ach  chlisgeadh  agus  dh'fhuasgladh  na  cordaibh  ; 

Chaidh  neamhan  ard  air  ghluasad. 

Is  Criosd  air  fhaotainn  buadhach, 

A  chorp  air  tighinn  an  uachdair  gu  glormhor. 

B'e  sud  a'  mhadainn  aillidh, 

Cha  chulas  riamh  a  h-aicheadh. 

Is  cumhachdan  a'  bhais  uile  breoite  ; 

Bha  cupanan  na  slainte, 

Dol  thairis  aig  an  lanachd, 

•S  an  talamh  tighinn  fo  bhlath  le  chiiid  rosan. 


Do  dh'fhalbh  a  nis  an  diimhlachd. 

Is  thainig  am  an  t-siigraidh, 

'S  chaidh  subhachas  nan  ludhach  air  fogradh  ; 

A'  chuid  bha  duilich  briiiteach, 

A'  tagradh  air  an  gliiinean, 

Bha  sunnd  is  caithream  dhiibailt  'n  an  solas. 

Bha  Criosd  a  nis  air  eirigh, 

Mar  ghaisgeach  a  bha  treunmhor, 

Cur  chridheachan  air  ghleus  le  chuid  comhraidh  ; 

Chuir  dithis  airsan  eigin, 

Gu  fuireach  is  iad  eiseil, 

'S  'nuair  sgaoil  e  dhaibh  an  fheusd  chaidh  iad  gorach. 

Buidheachas  a  bhi  do  Dhia, 

Nach  d'atharraich  na  bliadhnan. 

An  Spiorad  tha  cur  ciall  anns  na  h-6ighean  ; 

'Nuair  bhios  iad  air  an  siabadh, 

Le  falamhachd  is  blianachd, 

Tha  aran  agus  fion  aig  'n  a  storas. 

Is  trie  a  bhios  an  namhaid, 

'G  am  lagachadh  's  'g  am  sharach, 

Ag  radh  nach  'eil  mi  sabhailt  bho  dhoruinn  : 

Ach  cuiridh  sud  gu  spairn  mi, 

A  lorg  na  cungaidh  slainte, 

Tha  folaicht'  ann  an  grasan  lehobhah. 

Mo  snuiaintean  bidh  iad  luaineach, 

Le  bagraidhean  's  le  buairidh. 

Is  suidhichidhean  cruadalach  neonach  ; 

Chan  amais  mi  air  fuaran, 

A  bheir  do  m'anam  fuasgladh, 

'S  ann  bhitheas  mi  air  chuairt  an  tir  cheothach. 

Ach  'nuair  a  thig  an  t-Ardrigh, 

Le  ghathan  bho  na  h-airdibh, 

'S  a  bhriseas  romham  sgailean  a'  chomhnaird  : 

Bidh  bhratach  a  tha  gradhach, 

Dol  tharam  le  mor  ailleachd, 

Le  carthannas  is  abhachas  sonruicht  . 

Cho  fad  's  a  bhios  an  saoghal, 

Ri  mealltainn  sliochd  na  daonnachd, 

Cha  sguir  an  cupan  gaoil  bhi  'g  a  61  ann  : 

'S  'nuair  chaochlaidheas  na  saoghail, 

Dol  thairis  le  'n  cuid  saothair, 

Bidh  aogais  fear  ar  gaoil  ann  an  gloir  dhuinn. 

MURCHADH     M.     MacSuAJV. 


QUINQUAGESIMA— MAIGHSTIR  LACHLAINN 


Quinquagesima 


ACH  ciod  a  th'ann  quinquagesima  ?  Tha  facal 
-nLlaidinn  a  tha  ciallachadh  deich  is  da  fhichead. 
Is  e  sin  de  fhichead  la  's  a  deich  roimh  la  na 
casg.  Tha  seann  leabhar  agam  's  a  bheil 
searmonan  a  rinn  Luther.  Tha  mi  toirt  staoig 
a  fear  aca  a  rinn  e  la  ris  an  canadh  an  t-seann 
eaglais  quinquagesima,  air  an  earrainn  :  Lucas 
xviii.  31- IS. 

"  A  thaobh  an  doill,  tha  an  da  chuid  a' 
dealradh  gu  soilleir  :  gradh  an  Criosd  do'n  dall, 
agus  creideamh  'san  dall  air  Criosd.  Faodar 
creideamh  an  doill  a  chur  sios  gu  sgiobalt  mar  so : 

1 .  Chuala  e  gun  robh  Criosd  a'  gabhail 
seachad.  Chuala  e  iomradh  air  roimh  'n  sud  : 
gum  bu  duine  coibhneil  losa  o  Nasaret,  fear  a 
dheanadh  cobhair  air  neach  air  bith  a  ghair- 
meadh  air.  A  eisdeachd  mar  sin  chinnich  ann 
creideamh  agus  muinghinn  an  Criosd  air  chor 
's  nach  robh  teagamh  air  bith  aige  nach 
deanadh  e  cobhair  eadhon  airsan.  Cha  bu 
chomasach  creideamh  mar  sin  a  bhi  's  a' 
chridhe  mur  biodh  iomradh  is  eolas  a'  dol 
roimhe  ;  oir  is  ann  troimh  eisdeachd  a  thig 
creideamh. 

2.  Chreid  e  gu  laidir  's  gun  teagamh  mur 
chuala  uime.  Ged  nach  fhaca  e  e  's  nach  robh 
eolas  aige  air,  ged  nach  b'urrainn  e  fhaicinn  no 
eolas  a  bhi  aige  air  gus  a  nis  ged  bha  mhiann  air 
Criosd  a  leigheas,  gidheadh  chreid  e  air  ball  an 


sgeula,  shuidhich  e  mhuinghinn  air  a  ghairm  is 
air  fhacal  agus  air  an  aobhar  sin  cha  do  chaill  e 
air.  _ 

3.  Dh'aidich  e  Criosd  gu  saor,  's  gun  fiamh    j 
air  roimh  neach  air  bith.      Is  e  sud  nadur  a'      * 
chredimh   cheart,   gu   bheil    e    ag   aideachadh 
Chriosd  mar  an  aon  neach  as  urrainn  's  a  tha 
deonach  a  chuideachadh. 

4.  Chan  'eil  e  deanamh  stri  leis  fhein  ri 
choguis,  is  i  gun  teagamh  'g  a  chlaoidh  a'  tilgeil 
a  neo-airidheachd  air,  no  idir  riusan  a  tha 
muighinn  air  's  ag  iarraidh  air  a  bhi  'n  a  thosd, 
a  choguis  a'  toirt  uaithe  misneachd  le  bhi 
sealltainn  cha  a  neo-airidheachd  mu  choinnimh 
airidheachd  Chi-iosd.  Far  a  bheil  creideamh  an  i 
sin  tha  cath  is  stri  aig  a'  cheart  am.  \ 

5.  Tha  e  seasamh  gu  daingeann,  deanamh 
spairn  's  a'  buinnig.  Cha  toir  an  saoghal  na 
choguis  comhla  ris  uaithe  a  mhuinghinn. 
Rainig  a  ghlaodh  cridhe  Chriosd  air  chor  's  gun 
sheas  e  's  gun  dh'aithn  e  a  thoirt  'n  a  lathair, 
chum  gun  deanadh  e  ris  an  ni  a  b'aill  leis. 

6.  Lean  e  Criosd.  Ghluais  e  air  slighe  a' 
ghraidh  agus  a'  chrainn-cheusaidh  mar  a  rinn 
Criosd,  agus  choimhlion  e  oibre  ionracais. 

7.  Thug  e  buidheachas  agus  gloir  do  Dhia 
agus  thug  e  suas  iobairtean-ionracais  a  bha 
taitneach  do  Dhia. 

LUTHERS    PrEDIGTEN. 


Maighstir  Lachlainn 


AM  measg  nam  ministearan  mora  diadhaidh 
xJLa  bha  anns  a'  Ghaidhealtachd  anns  na  seann 
laithean  m'an  do  rinneadh  briseadh  air  an 
eaglais  cha  robh  gin  idir  a  b'ainmeile  na 
Maighstir  Lachlainn  a  bha  an  Loch  Carruinn, 
Lachlainn  Mac  Coinnich  (1754<-1819),  duine 
a  bha  'n  a  sgoilear  niaith,  'n  a  bhard,  'n  a  shear- 
monaiche  druidhteach.  'n  a  aodhair  smachdail 
agus  anns  an  I'obh  cumhachd  na  diadhaideachd. 
Air  an  Nollaig  sochaidh  thug  bana-charaid  choir 
dhomh  co-chruinneachadh  de  sgriobhaidhean 
Mhaighstir  Lachlainn,  a  bha  air  a  chur  a  mach  ann 
an  1928,  agus  mar  chomharradh-buidheachais 
bu  mhaith  Team  comhairlean  a  thug  e  aon  uair 
do  mhinistear  bg  a  bha  'ga  phosadh  ri  eaglais 
a  chur  sios  air  an  duilleig  so.  Labhair  Mghr 
Lachlainn  am  Beurla  ach  cuiridh  mi  fhein 
Gaidhlig  air  na  thubhairt  e.  Tha  e  gle  neonach 
ri  radh,  is  theagamh  gu'n  togadh  an  rud 
deasbud,  ach  tha  mise  am  beachd  gu  robh 
Maighstir  Lachlainn  na  b'  fhearr  am  Beurla  na 
bha  e  an  Gaidhlig. 

"  Tha  e  'n  a  chleachdadh,"  ars'  esan,  "  comh- 
airlean a  thoirt  air  ministear  an  uair  a  tha  e 
air  a  choisrigeadh  d'a  dhreuchd,  ach  tha  e  ri 


fhaicinn  gu  bitheanta  gu  bheil  e  furasda  do 
mhinistear  na  comhairlean  sin  a  dhichuimh- 
neachadh.  Mar  sin  cha  'n  abair  mise  moran. 
Tha  thu  a  nis  'n  ad  mhinistear  ann  an  eaglais 
Chriosd  ;  na  h-iarr  air  daoine  eile  dleasdanas 
air  bith  a  dheanamh  nach  'eil  thu  a'  feuchainn 
ri  dheanamh  thu  fein.  Cha  ruig  thu  leas 
feuchainn  ris  an  da  chiimhnant  a'  mheasgadh 
r'a  cheile  ;  cha  gliabh  iad  measgadh.  Labhair 
ris  an  t-sluagh  o  fhiosrachadh  d'anama  fein, 
ma  tha  am  fiosrachadh  sin  agad  ;  agus  mur 
bheil,  iarr  air  Dia  a  thoirt  duit.  Rannsaich  na 
Sgriobturan  ;  searmonaich  Criosd  'n  a  lanachd  ; 
agus  bi  air  do  ghluinean  gun  sgur.  Ghabh  thu 
ort  fein  dreuchd  soluimte  ;  cuimhnich  air  do 
chunnart  mur  dean  thu  do  dhleasdanas.  Tha 
ministear  dona  'n  a  aobhar-oilbheim  am  measg 
dhaoine  ;  a  toirt  cothrom  do  mhi-chreidich 
magadh  a  dheanamh  air  an  diadhaidheachd  ; 
a'  sgrios  an  treuda  agus  a  sgrios  anama  fein. 
Ma  bhios  duine  onorach  is  dileas  anns  an 
dreuchd  so  bheir  Dia  anam  agus  a  dhuais  dha 
aig  uair  a'  bhais,  ach  mur  bi  e  onorach  is  dileas 
cha  bhi  n  a  stiopain  ach  greim  searbh  dha  anns 
an  la  sin.  Is  coir  do'n  t-sluagh  umhlachd  a 
'   '-    -mhinistear   agus    do'n   mhinistear"^ 


Air  4 


930 


Sgeul  Aoibhneach  na  Caisge 

"  DW  eirich  an  Tighearna  da  rireadh.'^ — Lucas  xxiv.  34 


AIR  feadh  an  t-saoghail  gu  leir  aig  an  am  so 
de'n  bhliadhna  tha  creidmhich  a'  cumail 
cuinihne  air  aiseirigh  Chriosd  ;  ann  an  deich 
mile  teampuU  togar  am  fonn  ait, 

Dh'  eirich  Criosd  a  nios  o'n  uaigh, 

Seinneadh  na  tha  bhos  is  shuas  ; 

Seinn  a  Thalaimh,  seinn  a  Neimh, 

Cuiribh  uile  'chliu  am  meud. 

Feuch  a  nis  tha  losa  beo, 

Ghabh  e  comhnuidh  shuas  an  Gloir  ; 

Thug  a  bhas  an  gath  o'n  Bhas 

'S  chaill  an  uaigh  a  buaidh  gu  brath. 

Chan  'eil  ionghnadh  ged  dheanadh  an  eaglais 
gairdeachas  anns  an  sgeul  aoibhneach  so,  oir  is 
e  aiseirigh  Chriosd  steidh  a  dochais.  Faodaidh 
gu  bheil  cuid  de  dhaoine  ann  a  tha  creidsinn 
gu'm  maireadh  an  creideamh  Criosduidh  beo 
ged  dhearbhteadh  nach  robh  anns  an  aiseirigh 
ach  faoin-sgeul,  ach  tha  sinn  an  dtiil  gu  'n  abair 
a'  mhor-chuideachd  mar  thubhairt  Pol — Mur 
d'  eirich  Criosd,  tha  ar  creideamh  diomhain. 

Tha  an  eaglais  air  a  steidheachadh  air  an 
aiseirigh  ;  na'n  do  ghleidh  an  uaigh  corp 
Chriosd  cha  bhiodh  iomradh  an  diugh  air  'ainm. 
Thug  na  thachair  air  Calbhari  buille-bhais  do 
dhochas  agus  do  mhisneach  nan  abstol.  Cho 
fad  'sa  bha  losa  maille  riu  bha  dochas  aca  gu  'm 
b'  esan  an  ti  a  bha  gu  Israel  a  shaoradh.  Ged 
nach  robh  e  a'  cothachadh  mar  bu  mhaith  leo  an 
aghaidh  uachdaranachda  an  t-saoghail  is  ged  bha 
luchd-riaghlaidh  is  luchd-teagaisg  na  diithcha 
a'  faotainn  lamh-an-uachdar  air,  bha  seorsa 
dochais  aig  na  deisciobuil  gu  nochdadh  e  a 
chumhachd  ann  an  iiine  ghearr,  agus  gu  'n 
gabhadh  e  an  claidheamh  'na  laimh  chum  buille 
threun  a  bhualadh  airson  saorsa  Israel.  Ach  'na 
aite  sin  chunnaic  iad  e  air  a  chur  gu  bas  eadar 
da  ghaduiche,  is  cha  d'  fhosgail  e  a  bheul.  Dh' 
eisd  iad  ri  magadh  is  tair  na  feadhnach  a 
thubhairt  ris — Saor  thu  fein  ma's  tu  Criosd,  aon 
taghta  Dhe. 

A'  bheil  ionghnadh,  ma  ta,  ged  chaill  na  deis- 
ciobuil an  dochas  ?  Bha  bron  'nan  cridhe  airson 
a'  charaid  chaoimh  a  thugadh  uapa,  ach  cha 
b'e  sin  an  rud  bu  mhiosa.  Bha  iad  mar  mhar- 
aichean  air  sgeir  's  an  long  briste.  Dhiiisg  losa 
dochas  solasach  'nan  cridhe  ach  b'  fheudar 
dhaibh  aideachadh  a  nis  nach  robh  ann  ach 
dochas  faoin.  Bha  fhios  aca  gu  'm  biodh  iad 
'nan  ciiis-mhagaidh  anns  an  tir  ;  gu  'n  abradh 
seanairean  is  sgonn-bhalaich  gu  'm  bu  cheart  a 
dh'  eirich  do  na  h-amadain.    Chuir  iad  an  comh- 


airle  ri  cheile  is  dh'  aontaich  iad  gur  e  an  rud 
a  bu  ghlice  a  b'urrainn  dhaibh  a  dheanamh  a 
.  nis  an  aghaidh  a  chur  's  an  airde  tuath  is  Galile 
a  thoirt  a  mach  cho  luath  's  a  ghabhadh  e. 

Ach  rinn  iad  ath-chomhairle.  Bha  cumhachd 
nach  b'  aithne  dhaibh  fhein  'g  an  cumail  an 
lerusalem  ;  ann  an  iomall  a'  bhaile  chuir  iad 
seachad  an  t-Sabaid.  B'  e  sin  an  t-Sabaid 
thiirsach  ;  ged  bha  an  teampull  air  a  lionadh 
le  luchd-aoraidh,  a'  coimhead  feill  na  Caisge, 
cha  b'  urrainn  deisciobuil  losa  fonn  nan  Salm  a 
thogail,  oir  lion  do-bhron  an  cridhe. 

Chan  'eil  e  coltach  gu  'n  deachaidh  a  h-aon 
aca  a  dh'  amharc  na  h-uaighe  anns  an  do  leag 
loseph  corp  an  t-Slanuigheir.  Faodaidh  gu 
robh  eagal  orra  an  gniiis  a  nochdadh,  oir  bha 
naimhdean  air  an  toir.  Ach  an  glasadh  an  latha 
thainig  Muire  Magdalene  is  mnathan  eile  a  dh' 
ionnsuidh  na  h-uaighe,  chum  corp  losa  ungadh 
le  spiosraidh.  Tha  e  'na  riarachadh  le  daoine 
an  diugh  fliiraichean  a  leagadh  air  uaighean 
nan  cairdean  gaoil  a  chaidh  as  an  t-sealladh,  is 
bha  e  'na  riarachadh  le  Muire  is  leis  na  mnathan 
eile  an  dleasdanas  deireannach  ud  a  dheanamh 
d'  an  caraid  caomh.  Ghabh  iad  cothrom  air  a 
dheanamh  am  briseadh  an  latha,  oir  cha  bu 
mhaith  leo  gu  'm  faicte  iad. 

Ach  air  dhaibh  an  t-aite  a  ruigheachd  bha  an 
uaigh  falamh.  B'e  sin  rud  ris  nach  robh  fiughair 
aca,  oir  cha  tainig  e  idir  'nan  cridhe  gu'n 
d'eirich  losa  no  gu  robh  e  beo.  Cha  robh  fhios 
aig  Muire  ciod  a  bha  cearr,  ach  smuainich  i  gur 
e  an  rud  a  b'  f  hearr  a  ghabhadh  deanamh  fios  a 
thoirt  do  Pheadar  agus  do  Eoin  cho  luath  's  a 
b'  urrainn  dhith. 

Air  ball  thainig  an  da  dheisciobul  agus 
chunnaic  iad  gu  n  robh  a'  chilis  da  rireadh  mar 
dh'  innis  Muire  dhaibh.  Bha  an  uaigh  falamh  ; 
an  lion-eudach  's  an  neapaicin  a  bha  m'a  cheann 
'nan  laighe  ann  an  doigh  a  chuir  iongantas  air 
na  deisciobuil,  's  a  rinn  cinnteach  iad  nach  e 
daoine  a  thug  air  falbh  an  coi-p. 

Thill  Peadar  is  Eoin  dhachaidh,  ach  mar  eun 
ag  itealachadh  mu  'n  cuairt  na  nid  a  chreachadh, 
dh'  fhan  Muire  aig  an  uaigh,  a'  sileadh  dheur. 
Fhuair  a  dilseachd  duais,  oir  air  dhi  sealltuinn 
anns  an  uaigh,  chunnaic  i  da  aingeal  a  thubhairt 
rithe — Car  son  a  tha  thu  gul? 

Ach  bha  na  b'  fhearr  a'  feitheamh  oirre, 
eadhon  an  ti  da  bheil  na  h-ainglean  'nan 
spoiradan  frithealaidh.  Sheas  Criosd  maille 
I'ithe  agus  thubhairt  e — Car  son  a  tha  thu  gul, 
CO  tha  thu  ag  iarraidh  ? 


2 


SGEUL  AOIBHNEACH  NA  CAISGE 


Dh'  f  haodadh  Muire  a  radh  gu  'm  bu  bhean- 
naichte  ise  am  measg  bhan  oir  b'e  a  cluasan-se 
a  chuala  na  ceud  fhacail  a  labhair  Criosd  ann 
an  staid  a'  ghloire.  Ach  cha  robh  fiughair  aice 
esan  fhaicinn,  's  eadar  an  dorchadas  is  neul  nan 
deur  a  bha  air  a  siiilean  cha  d'  aithnich  i  e. 
Faodaidh  nach  do  sheall  i  air,  oir  shaoil  i  gu  'm 
b'e  an  gairnealair  a  bha  ann.  Ach  ghairm 
Criosd  air  a  h-ainm  i,  A  Mhuire.  Leum  a 
cridhe  ris  an  fhacal  oir  dh'  aithnich  i  a  nis  an 
guth,  is  ghlaodh  i  le  gairdeachas,  Mo  Mhaighstir. 

Anns  an  fheasgar  dh'  fhoillsich  Criosd  e  fein 
do  dha  dheisciobul  air  an  t-shghe  gu  Emmaus. 
Cha  bhuineadh  iad  do  chomunn  nan  abstol,  ach 
bha  iad  a  cheart  cho  tursach  ris  na  h-abstoil  an 
deidh  na  thachair  an  lerusalem  air  an  t-seachd- 
uinn  a  chaidh  seachad.  Chual  iad  an  seanchas 
a  bha  dol  am  measg  chaich,  gu  'n  d'  fhuaradh 
an  uaigh  falamh.  Ach  ma  chuala,  cha  do  chreid 
iad  gu  'n  d'  eirich  Criosd  no  gu  robh  e  beo. 
Dh'  innis  iad  do  'n  choigreach  a  choisich  maille 
riu  car  air  char  mar  thachair — mar  a  chuireadh 
losa  gu  bas,  mar  a  bha  dochas  aca  gu  'n  saoradh 
e  Israel,  agus  mar  a  bha  e  air  a  mhonmur  am 
measg  dhaoine  gu  'n  d'eirich  e,  ach  ars'  iadsan, 
tka  tri  laithean  o  thachair  na  nithean  sin.  Mar  gu 
'n  abradh  iad,  Cha  'n  urrainn  an  seanchas  a  thog 
na  mnathan  a  bhi  fior.  Cha  d'  aithnich  iad 
fhathast  c6  bha  maille  riu  ach  dh'  eisd  iad  le 
ro-aire  am  feadh  'sa  mhinich  e  dhaibh  na 
faidhean,  's  a  nochd  e  dhaibh  gu  'm  b'eigin  do 
Chriosd  fulang  m'an  rachadh  e  steach  d'a  ghloir. 

Bu  mhaith  leinn  na'n  do  chiim  Cleopas  's  a 
chompanach  air  chuimhne  na  briathran  a  labh- 
air Criosd  air  feasgar  na  h-aiseirigh,  am  fos- 
gladh  a  rinn  e  air  an  Sgriobtur,  ach  ged  nach  do 
rinn  iad  sin,  bhean  na  briathran  cho  dluth  ri  'n 
cridhe,  is  dhiiisg  iad  annta  a  leithid  de  sholas 
's  nach  diiraichdeadh  iad  dealachadh  ris  a' 
choigreach,  is  thuirt  iad  ris.  Fan  maille  ruinn, 
oir  tha  e  dliith  do  'n  fheasgar  's  tha  deireadh  an 
la  ann. 

Ciod  a  thachair  'na  dheidh  so  chan  'eil  na 
soisgeulaichean  ag  radh,  ach  a  mhain  gu'n  do 
shuidh  e  gu  biadh  maille  riu,  gu  'n  do  ghlac  e 
aran,  's  gu  'n  do  bheannaich  e  e  ;  gu  'n  d' 
fhosgladh  an  siiilean  's  gu  'n  d'  aithnich  iad  e. 

Bha  e  maille  ris  an  da  fhear  dheug  aig;  an 
t-suipeir  naonnh  anns  an  t-seomar  uachdrach, 
ann  an  coslas  feola  is  ann  an  staid  a  dhaonnachd, 
ach  b'e  so  a'  cheud  bhord  comanachaidh  aig  an 
robh  e  a  lathair  ann  an  staid  a  ghloire. 

An  deidh  dha  dol  as  an  t-sealladh  thill  an 
da  dheisciobul  gu  lerusalem  a  dh'  innseadh  na 
chuala  agus  na  chunnaic  iad.  Bha  an  trend 
beag  sgapte  le  h-eagal  'nuair  a  dh'  fhag  Cleopas 
am  baile  's  a'  mhaduinn,  ach  'nuair  a  thill  e 
'san  fheasgar  fhuair  e  iad  cruinn  ann  an  aon 
aite  (cha  robh  Tomas  ann)  a'  deanamh  iolaich 
's  ag  radh,  Dh'  eirich  an  Tighearna,  is  chunnaic 
Simon   e.     Ma   bha   sgeul   iongantach    aig    na 


h-abstoil  ri  innseadh  do  Chleopas,  bha  sgeul  cho 
iongantach  aig  Cleopas  ri  innseadh  dhaibh-san, 
ach  am  feadh  's  a  bha  e  g'a  h-innseadh  dh'  fhas 
a'  chuideachd  balbh  oir,  feuch,  hha  Croisd  maille 
riu.  Cha  chualas  fuaim  a  theachd  ;  bha  an 
dorus  diiinte  's  cha'n  fhaca  siiil  e,  gus  an  cual 
iad  an  guth  ciiiin  air  an  robh  iad  eolach,  Sith 
maille  ribh.  Ghabh  iad  eagal  oir  shaoil  iad  gur 
spiorad  a  chunnaic  iad,  ach  air  dha  a  lamhan 
's  a  chasan  is  larach  nan  tairngean  a  leigeil 
fhaicinn  dhaibh  chreid  iad.  Choimhlionadh 
dhaibh  an  gealladh,  Chi  mi  sihh  sihh  a  ris,  agus  ni 
sihh  gairdeachas  agus  bhur  'n  aoibhneas  cha  toirear 
uaibh. 

Dh'  innis  each  so  uile  do  Thomas  ach  bha 
esan  an  diiil  nach  b'urrainn  an  sgeul  ud  a 
bha  fior.  Chuir  e  teagamh  eadhon  am  facal 
Pheadair  is  Eoin  ;  thubhairt  e  nach  tugadh  e 
geill  do  naigheachd  cho  neo-choltach  as  eug- 
mhais  gu'm  faiceadh  e  Criosd  le  shiiilean  fhein, 
's  gu  'm  beanadh  e  le  mheuran  ri  larach  nan 
tairngean  'na  lamhan  agus  'na  chasan.  Bha 
Criosd  cho  caomhail  agus  cho  faighidinneach  ri 
teagamhan  is  cruas-cridhe  nan  deisciobul  an 
deidh  na  h-aiseirigh  's  a  bha  e  ann  an  laithean 
fheola,  is  thug  e  do  Thomas  an  dearbhadh  a 
dh'  iarr  e. 

Cha  ruig  sinn  a  leas  tighinn  thairis  air  a' 
chorr.  Anns  na  sia  seachduinnean  a  bha 
Criosd  air  thalamh  an  deidh  dha  eiridh  o  na 
marbhaibh  dh'  fhoillsich  e  e  fein  d'a  dheisciobuil 
an  iomadh  aite  's  air  iomadh  doigh.  B'e 
aiseirigh  Chriosd  a  chruinnich  ri  cheile  an  trend 
beag  an  deidh  dhaibh  sgapadh,  agus  is  e  an 
aiseirigh  a'  charraig  air  an  do  thogadh  an  eaglais. 
Cha  robh  diiil  aig  na  h-abstoil  gu'm  faiceadh  iad 
e  gu  brath  tuilleadh  an  deidh  a  bhais,  's  bha 
iad  a'  deanamh  deas  gu  tilleadh  dhachaidh  is 
obair  rioghachd  Dhe  a  thilgeadh  as  an  lamhan. 
Ach  'nuair  a  dh'  eirich  Criosd,  agus  a  chunnaic 
an  siiilean  e,  agus  a  laimhsich  an  lamhan  e, 
agus  a  thuig  iad  gu  robh  e  fhathast  maille  riu, 
dh'  fhosgail  an  inntinn  air  chor  agus  gun  do 
thuig  iad  nithean  a  bha  roimhe  sin  dorcha  orra, 
is  thainig  misneach  is  dochas  'nan  cridhe  nach 
b'  urrainn  an  saoghal  a  thoirt  uapa.  Dh' 
fhairich  iad  gu  robh  iad  air  an  gairm  le  Dia  gu 
fianuis  a  thoirt  mu  'n  aiseirigh. 

B'e  aiseirigh  Chriosd  toiseach  is  deireadh  is 
teis-meadhoin  an  searmonachaidh,  's  nuair  a 
thagh  iad  neach  a  ghabhadh  aite  ludais  'n  an 
comunn  thagh  iad  duine  a  b'  urrainn  fianuis  a 
dheanamh  air  an  aiseirigh.  Shearmonaich  iad 
an  soisgeul  sin  anns  an  dearbh  aite  anns  an  do 
thachair  an  t-ionghnadh  mor,  ach  cha  b'  urrainn 
Pharasaich  no  Sadusaich  a  dhearbhadh  gum  b'e 
sgeul  fhaoin  a  bha  iad  a'  labhairt. 

Ged  chaidh  Criosd  as  an  t-sealladh  tha  e 
fhathast  beo.  Tha  e  a'  giiilan  air  aghaidh 
ministreileachd  is  farsuinge  's  is  buadhmhoire 
na  b'  urrainn  e  dheanamh    ann  an    laithean 


SGEUL  AOIBHNEACH  NA  CAISGE— CAIRDEAN  PHOIL 


3 


fheola.  Le  'aiseirigh  thug  e  beatha  is  neo- 
bhasmhorachd  gu  solus,  is  thug  e  dearbhachd 
d'a  shluagh  nach  e  an  uaigh  ceann  an  reis,  ach 
gu'm  faigh  iad  tuilleadh  agus  buaidh  trid-san. 
Tha  e  air  ardachadh  ann  an  staid  gloire,  saoibhir 
ann  an  lanachd  beatha  as  an  tarruing  an  eaglais 
a  cuibhrionn  gus  an  tig  na  naoimh  uile  ann  an 
aonachd  a'  chreidimh  agus  eolais  Mhic  Dhe 
chum  iomlanachd  agus  tomhas  airde  lanachd 
Chriosd. 

Is  e  Criosd  an  aiseirigh  agus  a  bheatha  ;  agus 
is  e  iadsan  anns  a  bheil  spiorad  is  beatha 
Chriosd  cheana  aig  a  bheil  an  f  hianuis  an  taobh 
a  stigh  dhiubh  gu  bheil  iad  neo-bhasmhor  agus 
gu'n  eirich  iad  maille  ris.  Cha  ghabh  e  dear- 
bhadh  le  arffumaid  do  neach  air  bith  gu  bheil 


e  neo-bhasmhor  mur  bheil  a  bheatha  foluichte 
maille  ri  Criosd  ann  an  Dia.  Ach  ma  tha  a 
bheatha  foluichte  maille  ri  Criosd  ann  an  Dia 
cha  mho  a  leigear  a  leas  a  radh  ris  gur  e  an 
uaigh  ceann  a  reis,  oir  tha  fhios  aige  nach  'eil  e 
comasach  do  chumhachd  air  bith  air  neamh  no 
air  thalamh  a  sgaradh  bho  Dhia. 

So  dbchas  ait  nan  anma  naomh, 
O'n  Slanuighear  caomh  an  trath-s' , 
A  thug  an  Spiorad  dhaibh  maraon 
Mar  sheul  is  earlais  graidh. 

Gach  neach  'g  am  bheil  an  dbchas  so, 
'N  a  chbmhradh  is  'n  a  ghmomh, 
Biodh  deidh  aig'  air  bhi  naomh  is  glan, 
Ceart  amhail  a  bha  Criosd. 


Cairdean  Phoil 


Marc 


EADAR-DHEALAICHTE  o'n  ni  bha  cum- 
anta  'n  a  latha  bha  da  ainm  aig  an  aon  so  de 
chairdean  Phoil  :  Eoin  Marc.  B'e  Eoin  ainm 
Eabhruidheach,  agus  Marc  no  Marcus  ainm 
Romanach.  Faodaidh  e  bhi  gun  d'fhuair  e  an 
t-ainm  Marc  air  son  's  gum  biodh  e  na  b'usa  dha 
faotainn  a  stigh  am  measg  nan  cinneach  aig  an 
robh  mor-mheas  air  na  h-uile  ni  Romanach — 
maighistirean  an  t-saoghail  aig  an  am  so.  Chan 
'eil  fios  againn. 

Is  e  aon  ni  air  a  bheil  fios  againn  gum  buineadh 
Marc  do'n  bheagan  a  bha  saoibhir  am  measg 
nan  deisciobuil.  Cha  chluinn  sinn  guth  air 
athair,  ach  bha  mhathair  'n  a  bean  air  an  robh 
eolas  maith  'n  a  latha — Muire,  piuthar  Bharna- 
bais.  Coltach  ri  Barnabas  an  saoibhreas  bha  i 
mar  an  ceudna  coltach  ris  anns  an  f  heum  a  rinn  i 
dheth.  Bha  tigh  mor  aice  an  lerusalem,  agus 
do  bhrigh  's  nach  robh  aite-aoraidh  aig  an 
eaglais  'n  a  latha  rinn  i  suas  an  easbhuidh  sin  le 
bhi  toirt  seomar  freagarach  seachad.  Tha  cuid 
ag  radh  gum  b'e  sin  an  "  seomar  uachdarach." 

Tuigidh  sinn  uaithe  sin,  ma  tha,  an  seorsa 
togail  a  f  huair  Marc.  Bha  mhathair  ainmeil  air 
son  a  diadhachd  :  fialaidh,  neo-sgathach  air 
ceum  dleasdanais.  B'ann  mun  am  so  a  chuir 
Herod  Seumas  gu  bas.  Ach  bha  ann  an  so 
aon  aig  an  robh  e  'n  a  chleachdadh  a  bhi  toirt 
seachad  aoigheachd  do  shluagh  an  Tighearna,  a 
dh'aindeon  's  na  dh'fhaodadh  Herod  a  dhea- 
namh.  Bha  cridhe  aice  air  son  sin  agus  comas. 
Bha  searbhantan  an  comhnaidh  r'  a  laimh.  Tha 
fhios  againn  air  ainm  aon  diubh — Roda.  Am 
measg  an  fheadhainn  a  bhiodh  a'  tadhal  air 
mathair  Mharcuis  bha  Peadair  agus  Barnabas, 
brathair-mathar  Mharcuis.  Tha  cuid  de'n 
bheachd  gum  b'ann  fo  eisdeachd  Pheadair  an 
tigh  a  mhathar  a  chaidh  Marc  iompachadh. 

Co  dhiubh,  beagan  as  deidh  sin  fhuair  Marc 
gairm  nach  b'urrainn  e  dhiultadh.     Air  feasgar 


araidh  c6  thigeadh  ach  Barnabas,  agus  Pol 
comhla  ris.  Bha  iad  air  tighinn  direach  o 
Anitoch  a'  giiilan  cuideachadh  o  chreidmhich 
shaoibhir  Antioch  a  dh'ionnsaighnambraithrean 
bochda  a  bha  an  lerusalem.  Tuigidh  sinn  an 
gluasad  a  rinn  an  teachd  sin  am  measg  nam 
braithrean  aig  an  robh  e  'n  a  chleachdadh  a 
bhi  coinneachadh  'san  t-seomar  uachdarach. 
Ach  cha  robh  an  cuairt  ach  gu  bhi  goirid. 
Cha  leigeadh  uallach  an  t-Soisgeil  a  chaochladh 
leo.  Ach  chan  fhalbhadh  iad  mar  a  thainig  iad. 
Bha  iad  a'  cur  feum  air  cuideachadh,  agus  c6  bu 
fhreagaraiche  na  Eoin  Marc,  mac  bean  an  tighe. 
Latha  no  dha  as  d^idh  sin  chi  sinn  Marc  a'  falbh 
comhla  ri  Pol  agus  Barnabas — coltach  ri  iomadh 
mac  eile  a'  fagail  dachaidh  a  mhathair  air  son 
a'  cheud  uair.  Bhiodh  e  taitneach  nam  b'urra 
sinn  a  radh  gun  do  lean  e  mar  a  thoisich  e. 

Rainiff  iad  Antioch  gu  sabhailte.  Ann  an  sin 
bha  Pol  agus  Barnabas  air  an  cur  air  leth  au'  son 
tadhal  air  na  h-eaglaisean  am  fad  's  am  farsuing, 
a  reir  's  mar  a  dh'fhosgladh  an  Tighearna  slighe 
dhaibh.  Ach  is  bochd  ri  radh  an  uair  a  rainig 
iad  Perga  nach  rachadh  Marc  na  b'f  haide.  Chan 
'eil  e  air  innse  clod  a  b'aobhar  air  sin.  Faodaidh 
e  bhi  nach  do  mheas  e  gun  robh  a'  chomain 
cheudna  air  a  bha  air  Pol  agus  Barnabas.  Bha 
iadsan  air  an  cur  air  leth  air  mhodh  sonraichte 
air  son  sin.  Cha  robh  annsan  ach  gille-frithea- 
laidh.  No  faodaidh  e  bhi  nach  do  chord  an 
t-atharrachadh  ris  a  rinn  Pol  a  thaobh  ceann- 
uidhe  an  turuis.  An  uair  a  rainig  iad  Pamphilia 
bha  a'  ghrian  aig  aird  a  teas  agus  faodaidh  e  bhi 
gun  do  mheas  Pol  na  bu  shabhailte  criochan 
Ghalatia  a  thoirt  a  mach — fada,  fada  air  falbh. 
A  bharrachd  air  sin  eadar  fiadh-bheathaichean 
is  fiadh-dhaoine  bha'n  t-slighe  cunnartach. 
Faodaidh  gun  d'fhailnich  misneach  Mharcuis. 
No  faodaidh  gum  b'e  an  cianalas  a  b'aobhar  air. 
Tha  Matthew  Henry  ag  radh  :  "  Aona  chuid  cha 


'4 


CAIRDEAN  PHOIL 


do  chord  an  obair  ris  no  bha  e  air  son  a  mhathair 
fhaicinn."  Co  dhiiibh  air  n-ais  gu  Jerusalem 
chaidh  e,  's  mar  a  dh'fhaodas  sinn  a  thuigsinn 
bha  sin  gle  dhuilich  le  brathair  a  mhathar.  Tha 
e  taitneach  ri  innse  :  an  ceann  sia  no  seachd  a 
bhliadhnachan  gum  faca  Marc  a  mhearachd. 
Thairg  e  e  fein  air  son  an  obair  cheudna  ;  ach 
ged  bha  Barnabas  air  son  gabhail  ris  bha  Pol  'n 
a  aghaidh.  Cha  b'urrainn  e  earbsa  bhi  aige  a 
duine  rinn  mar  a  rinn  esan.  B'e  thainig  as  : 
thug  Barnabas  leis  Marc  agus  thug  Pol  leis 
Silas.  Chaidh  an  darna  h-aon  gu  Ciprus  agus 
an  aon  eile  gu  Galatia.  Bha  an  ni  a  bh'ann  gle 
dhuilich.  Tha  e  doirbh  a  radh  c6  bha  ceart  : 
Barnabas  no  Pol.  Gun  teagamh,  bha  feum  aig 
Marc  air  cronachadh.  Bha  feum  aige  cuideachd 
air  maitheanas  agus  misneachadh.  Eadar  na 
h-uile  ni  a  bh'ann,  mar  a  tha  aon  ag  radh,  "  bha 
coibhneas  Bharnabais  maith,  bha  cruas  Phoil  na 
b'fhearr,  ach  na  b'fhearr  na  h-aon  diubh  bha 
gliocas  an  Tighearna  a  thionndaidh  tachartas 
nach  robh  taitneach  a  chum  buannachd  an 
t-Soisgeil."  Aig  am  anns  an  robh  am  fogh- 
aradh  da  riribh  mor  agus  an  luchd-oibre  tearc 
thionndaidh  e  an  Soisgeul  an  da  chladhan  ;  rinn 
e  duine  na  b'fhearr  de  Mharc  ;  rinn  e  cairdean  a 
rithisd  de  Phol  agus  de  Bharnabas.  Shaothraich 
Marc  an  Galatia  far  an  do  dhiiilt  e  dhol  roimhe 
sin.  Fhritheil  e  do  Phol  an  uair  a  bha  e  'n  a 
phriosonach  'san  Roimh,  gus  mu  dheireadh  a 
bheil  an  teisteanas  so  againn  air  Marc  o  pheann 
Phoil:  "Tha  e  feumail  dhomhsa  chum  na 
ministrealachd.  " 

Ach  a  nis,  feumail  's  mar  a  bha  Marc,  be 
criinadh  obair  a  bheatha  "  An  Soisgeul  a  reir 
Mharcuis."  Faodaidh  e  bhi  air  fhaighneachd  : 
"  C'aite  an  d'fhuair  e  an  t-eolas  iongantach  a 
tha  sgriobhta  an  sin  ?  "  B'e  beachd  coitchionn 
nan  seann  athraichean  gun  d'fhuair  e  an  t-eolas 
sin  o  Pheadair.  Bhiodh  Peadair  gle  thric  an 
tigh  a  mhathar.  A  bharrachd  air  sin  bha  Marc 
a'  cuideachadh  Pheadair  am  Babilon.  Faodaidh 
e  bhi  gum  b'ann  an  sin  a  sgriobh  Marc  an 
Soisgeul  tha  a'  giiilan  ainme. 

Tha  so  uile  sonraichte,  ma  tha.  Tha  an 
teagasg  cuideachd  sonraichte.  Air  aon  ni  tha  e 
sparradh  oirnn  inntinn  charthannach  a  bhi 
againn.  Chan  'eil  coire  mhor  r'a  fhaotainn  do 
Phol  air  son  's  mar  a  bhuin  e  ri  Marc,  ach  ani 
bitheantas  chan  'eil  e  maith  duine  thilgeil  air 
falbh  air  son  aon  tuiteamas,gu  h-araidh duine  og 
agus  seachd  araidh  duine  beusach.  Chan  'eil 
aon  againn  gun  anmhainneachd.  "  Tha  dol  air 
seachran  daonnail  :  tha  bhi  maitheadh  diadh- 
aidh."  Aig  an  am  cheudna  is  e  ni  cudthromach 
a  th'ann  a  dhol  air  seachran.  Faodaidh  e 
bualadh  air  feadhainn  eile  cho  cinnteach  agus 
oirnn  fhein.  Cha  robh  na  b'fhearr  na  Pol  agus 
Bai'nabas  'n  an  latha  gidheadh  chuir  fail- 
neachadh  Mharcuis  gu  mor  eatorra — chuir  e 
eadhon  an  cunnart  an  t-aobhar  a  bha  cho  dliith 


d'an  cridhe.  Tha  e  a'  teagasg  dhuinn  an  uair  a 
thug  dleasdanas  fa'r  comhair  gliocas  na  ceisde  : 
"  Am  mise  an  neach  air  son  na  h-obair  so  ?  A 
bheil  agam  an  gliocas,  an  fhoighidinn,  an  t-seas- 
mhachd  air  a  bheil  i  a'  cur  feum  ?  Bu  mhaith 
leinn  fios  a  bhi  againn  ciod  a  ghluais  Marc  gu 
falbh  le  Pol  is  Barnabas.  Am  b'e  an  ni  a  tha 
nadurach  do'n  oigridh — gum  faiceadh  e  tuil- 
leadh  de'n  t-saoghal,  no  an  ceangal  a  bha  aige  ri 
brathair  a  mhathar  ?  No  do  bhrigh  agus  gun 
robh  e  a'  smuaineachadh  gun  riaraicheadh  e 
mhathair  ?  Chan  urrainn  sinn  innse.  Ach  chan 
urrainn  sinn  gun  a  bhi  cuimhneachadh  air  an 
duine  ud  a  thoisich  air  tiir  a  thogail,  ach  nach 
b'urrainn  a  chriochnachadh,  do  bhrigh  's  nach 
do  chunnt  e  an  costas.  Ann  an  sin  thainig  na 
coimhearsnaich  a  stigh  agus  rinn  iad  fanoid  air. 
Sin  mar  a  thachair  do  Mharc.  Ghabh  e  an 
rathad  a  b'usa  'n  a  shiiilean  fhein,  ach  gle  luath 
fhuair  e  chaochladh  a  mach.  Cha  robh  an 
t-slighe  dhachaidh  ro  thaitneach.  Chan  'eil  ni 
as  mo  a  mhilleas  suaimhneas  duine  na  smuain- 
tean fhein.  Tha  sinn  'g  a  fhaicinn  a'  ruigheachd 
tigh  a  mhathar  an  lerusalem  agus  a'  cluinntinn 
a  mhathar  ag  radh  ris  :  "  Ciod  e  so,  a  Mharc, 
ciod  e  thachair  ?  A  bheil  Barnabas  slan  agus 
Pol  an  uair  a  tha  thu  leat  fhein  ?  Ann  an  sin 
tha  i  a'  cluinntinn  briathran  a  tha  'g  a  lionadh  le 
naire  agus  mealladh-diiil.  Tha  sinn  a'  faicinn 
cuideachd  na  coimhearsnaich  a'  tighinn  a  stigh 
agus  tha  an  ceisdean  'san  comhradh  a'  cur  'n 
ar  cuimhne  Socharach  an  Turns  a  Chriosduidh. 
"  An  cuala  tu  guth  air  mo  choimhearsnach 
Socharach  ?  "  arsa  Criosduidh.  "  Chuala  "  arsa 
Dileas.  "  Chuala  mi  gun  do  lean  e  thu  gu 
ruige  Sloc-na-mi-mhisnich  .  .  .  ach  is  cinnteach 
mise  gun  robh  gu  leor  de  shalachar  an  t-sluic 
air."  "  Ciod  e,"  arsa  Criosduidh,  "  a  thuirt  na 
coimhearsnaich  ris  ?  "  "  Thug  iad  tamailte  mhor 
dha,"  arsa  Dileas.  "  Rinn  na  h-uiread  diubh 
sgeig  agus  fanoid  air,  ionnas  gur  gann  a  gheibh 
e  obair  'sam  bith  r'a  dheanamh." 

Na  biodh  eagal  ort,  ma  tha,  ceum  an  dleas- 
danais  a  shiubhal.  Doirbh  's  mar  a  dh'fhaodas 
e  bhi  is  e  an  ceum  as  usa.  Tha  lathaireachd 
Dhe  air.  Air  an  laimh  eile  ma  shleamhnaicheas 
tu  air  falbh  na  caill  do  mhisneach.  Tha  guth 
ann  a  tha  'g  radh  :  "  So  an  t-slighe,  gluaisibh 
innte  !  "  Chuala  Marc  an  guth  sin  's  thug  e 
leithid  de  dh'eisdeachd  dha  's  nach  e  mhain  gun 
do  sgriobh  e  an  Soisgeul  a  reir  Mharcuis,  ach 
mar  a  tha  beul-aithris  ag  innse,  dh'fhuihng  e 
bas  marturaich  ann  an  dilseachd  d'a  Mhaighistir 
E.  G. 

Turns  a'  Chriosduidh 

rpHA  an  leabhar  iongantach  so  air  a  chur  an 
-*-  Gaidhlig  as  iir,  air  iarrtus  comunn  an  Lunnuinn. 
Bidh  ioinradh  air  a  dheanamh  air  an  oidhirp,  air  a' 
mhios-sa  tighinn,  le  caraide  eolach— eolach  air  peann 
Gaidhealach, 


SEANACHAS 


Seanachas — XIII 

An  Dachaidh  Bhuan 
Agus  cdmhnuicl/iflh  mi  ann  an  taigh  an  TigJiearna  fad  mo  laithea.n." — Salm  xxiii.  6. 


IS  e  bha  sona  Daibhidh  air  aoigheachd  ann 
an  taigh  an  Tighearna.  Bha  na  h-uile  ni  a 
b'  fhearr  air  an  ullachadh  air  a  shon,  agus  air 
am  mealltuinn  leis.  Bha  anam  a'  mealltuinn 
solasan  lathaireachd  graidh  an  Tighearna.  Mar 
sin  bha  a  chridhe  Ian  buidheachais,  agus  a 
bhilean  a'  seinn  a  thaingealachd  air  son  sonas 
a  choir.  Coslach  ri  Peadair  air  Beinn  a'  chruth- 
atharachaidh  bu  nihiann  leis  fantainn  an  sud 
gu  brath.  Bha  maitheas  Dhe  cho  dearbhta 
dha  :  bha  comunn  Dhe  cho  mihs  dha  ;  bha 
gras  Dhe  cho  priseil  agus  cho  luachmhor  'na 
bheachd  ;  bha  aoigheachd  ghraidh  a  Thighearna 
cho  taitneach,  blasda,  neamhaidh,  ann  am 
mothachadh  agus  fiosrachadh  anam,  a'  s  gu'n 
robh  eagal  air  gu'n  cailleadh  e  na  beannachdan 
gloirmhor  sin.     Ruinich  e  'na  chridhe  : 

'N  ad  phailliun  naomh  ni  mise  tamh, 
Gach  aimsir  is  gach  tra. 

B'iomadh  creutair  amaideach  a  bhlais  air 
millseachd  na  h-aoigheachd  ghloirmhor  sin  a 
threig  i,  agus  a  chaith  a  stigh  air  aoigheachd  le 
naimhdean  anam  a  rinn  a  mhealladh  agus  a 
bhrath  chum  a  sgrios.  Reic  am  mac  struidheal, 
aig  an  robh  fhathast  cuimhne  air  saoibhreas 
taigh  athair,  e  fhein  ri  fear  do  shaor-dhaoine  na 
duthcha  fad  air  astar,  agus  chuir  esan  a  mach  e 
a  bhiadhadh  mhuc.  Arsa  Daibhidh  ris  fhein  fo 
anail  :  "  Le  cabhair  grais  cha  thachair  sin 
dhomhsa.  Ann  an  seo  tha  mi,  is  ann  an  seo 
fanaidh  mi  : 

Is  comhnuicheam  an  arois  De 
Ri  fad  mo  re  's  mo  15." 

Seadh,  agus  bha  cead  aige  sin  a  dheanamh. 
Chan  e  toil  an  Tighearna  gu'n  teicheadh  neach 
de  aoighean  a  thaighe  air  falbh  uaithe.  Chan 
e  toil  SL  bhuachaille  mhaith  aon  teicheadh  aon 
de  na  caoraich  air  falbh  o'n  trend,  ach  gu'm 
biodh  iad  uile  sona  cuideachd  fuidh  a  shuil. 
Bha  fios  aig  Daibhidh  gum  b'e  bheatha  fantuinn 
a  mealltuinn  aoigheachd  sholasaich  a  Thigh- 
earna. 

'Nuair  a  smuainicheadh  ludhaich  air  taigh  an 
Tighearna  's  e'n  Teampull  bha'g  eiridh  fa 
chomhair  an  inntinn.  'Nuair  a  smuainicheas 
creidmhich  an  la'n  diugh  air,  's  e  'n  eaglais  tha 
'nam  beachd.  'Nuair  a  sheinn  Daibhidh  air 
taigh  an  Tighearna,  's  e  lathaireachd  an  De 
neo-chruthaichte  bha  timchioll  air  mar  sgaile 
air  an  robh  e  a'  smuaineachadh.  Bha  e  'na 
fhianuis,  'na  chuideachd,  'na  chomunn,  a 
ghnath.  Ge  b'e  aite  'sa  bheil  lathaireachd  Dhe 
air  a  mhealltuinn  le  a  shluagh  an  sin  tha  taigh 


Dhe.  "  Seo  taigh  Dhe,",  ars  lacob,  ged  nach 
robh  togail  de  sheors'  air  bith  fagus  da.  Dh' 
fhoillsich  Dia  e  fhein  dha  an  sud  :  "  Is  cinnteach 
gu  bheil  an  Tigheai'n'  anns  an  ionad  seo  :  seo 
taigh  Dhe  :  seo  geata  neamh."  Far  a  bheil  an 
Tighearna  'ga  fhoillseachadh  fhein  d'a  shluagh 
an  sin  tha  a  thaigh.  Do  a  dheisciobuill  b'  e;'|i 
seomair  uachdaraeh  taigh  Dhe,  air  a  cheudlli 
de'n  t-seachdain,  oir  bha^  Criosd  anns  a  mheadh-^ 
on.  Air  la  na  caingais  b'e  lerusalem  nile  taigh' 
Dhe  do  f hior  luchd  leanmhuinn  Chriosd.  Mai* 
gheata  neimh  bha  priosan  Philippi  do  Phol  ag^'s" 
do  Shilas,  oir  bha  Criosd  mailte  riu  arin.  Is-'e 
lathaireachd  an  Tighearna,  foillsichte  agiiS 
fiosraichte,  a  tha  deanamh  a  thaighe  do  fhio? 
shluagh.  Air  cho  greadhnach  's  gu  bheil  taigh 
air  bith  mar  'eil  an  Tighea;rna  gabhail  comh-^ 
nuidh  ann,  tha  e  bochd,  lorn,  falamh.  Air  chd 
bochd,  cho  lom,  's  cho  falamh  's  gu  bheil  taigh 
air  bith  ma  tha  beannachd  a  lathaireachdsan  air 
a  mhealltuinn  ann,  is  beannaichte  gloirmhor  an 
dachaidh  e.  Is  e  maise  ghnuis  ni  na  h-uile  aile 
maiseach  ann  an  suilean  a  shluaigh.  Is  r§ 
thruagh  cor  na  muinntir  tha  suidhe  gach  la  aig 
bord  saoibhir  a  fhreasdail  is  a  ghrais  gun  bht 
a'  mothachadh  a  lathaireachd.  Is  falamh  gach 
bord  gun  Esan  a  bhi  air  a  cheann.  Is  truagh  aii 
dachaidh  amis  nach  'eil  esan  a'  gabhafl 
comhnuidh.  ; 

Tha  cuid  ann  tha  coslach  ri  Anna,  a  bhantrach 
choir,  nach  deach  o'n  teampull,  a'  deanamh 
seirbhis  do  Dhia  a  la  agus  a  dh'oidhche  le  traS-^ 
gadh  agus  le  urnuigh  gus  am  fac  i  an  TighearftaLj 
agus  i  aig  aois  cheithir  fichead  bliadhna  '^st 
ceithir.  Tha  cuid  eile  aig  a  bheil  farmad  ris  na 
gealbhoin  bheaga  tha  togail  an  nid  is  ag  arach 
an  alach  fo  sgaile  thaigh.  Tha  cuid  eile  ^tki'^ 
sheinneas  le  creidimh  tha  ceolmhor  :  ^  " -^  •■" 
'S  Tu  Vj'ionad  comhnuidh  dhu inn  gach  linn 

Dh'  fhoghlum  iad  gur  e  Dia  dachaidh  ann? 
am  bi  an  anam  suaimhneach  sona.  Tha  gacH 
anam  air  choigrich  gus  ah  tig  e  dhachaidh  gii 
Criosd,  agus  gu  faigh  e  fois  agus  suaimhn,eas 
Ann.  Tha  gach  anam  seachranach,  aonarach, 
gun  dachaidh,  gus  a  bheil  e  a  tighinn  gu  Criosd 
gu  bhi  faotainn  fasgadh,  fois,  agus  furtachd 
Ann.  Ann  an  Criosd  tha  'n  t-anam  aig  'a 
dhachaidh.  An  t-anam  a  f huair  a  dhachaid'h 
Ann,  fhuair  e  'n  dachaidh  tha  buan.  Fhuair  e 
a  theachd-an-tir,  a  sholas,  agus  a  shonas  Ann. 
Is  e  Criosd  ionad  comhnuidh  agus  ionad  tamh 
gu  brath.  Air  eagal  a  bheath  chan  fhag  e  j'j^ 
t-aite  tamh  beannaichte  seo  cho  fad  's  is  beo  e'. 
agus  anns  a'  bhas  tha  bonn  dochais  ghlan  aig^ 


6 


TROCAIR  ANNS  AN  LAGH 


gu  bheil  dachaidh  bhuan  a  feitheamh  air  a  shon. 
Gheall  Criosd  sin  dha.  Ma  theid  thusa  thadhal 
air,  agus  e  air  leabaidh  a  bhais,  cluinnidh  tu  e 
a'  seinn  mar  seo  : 

Tha  mise  dol  dhachaidh, 

Chan  e  seo  mo  chomhnuidh  ; 

'S  ann  tha  mo  chomhnuidh  maille  ri  Criosd  : 

Is  toigh  leam  a  chomunn. 


Is  toigh  leam  a  chomhradh, 

Gheibh  mi  mo  chomhnuidh  maille  ri  Croisd. 

Tha  mi  dol  dhachaidh 

Do  chomunn  nam  braithrean, 

'S  nam  peathraichean  graidh  tha  maille  ri  Criosd  : 

Far  a  bheil  roghadh 

Is  taghadh  na  cairdeis 

Air  nach  tig  traghadh,  maille  ri  Criosd. 

Alasdair  MacRath. 


Trocair  Anns  an  Lagh 


BITHEAR  gu  trie  a'  labhairt  mu  lagh  Mhaois 
mar  gu  robh  e  calg-dhireach  an  aghaidh  an 
t-soisgeil  ;  mar  gu  robh  an  lagh  teann  is 
cruaidh  is  an-iochdmhor,  agus  an  soisgeul 
caomhail  is  trocaireach.  Ann  an  tomhas  tha 
sin  fior,  ach  eadhon  anns  an  lagh  tachraidh 
trocair  an  Tighearn  ort,  agus  tha  cuid  de  na 
reachdan  a  thug  Maois  do  chloinn  Israeil,  ann 
an  ainm  lehobhah,  cho  caomhail  agus  cho  uasal 
's  ged  bhiodh  iad  air  an  toirt  dhaibh  le  losa 
fein.  Bu  mhaith  leinn  anns  an  aireamh  so  cuid 
de  na  reachdan  trocaireach  sin  a  chruinneachadh 
comhla,  los  gu'm  faic  sibh  gu  bheil  na  thubhairt 
slnn  fior. 

Tha  e  ceart  gu'm  paigheadh  duine  fhiachan, 
agus  gu'n  tugadh  e  air  ais  rud  air  bith  a  fhuair 
e  ann  an  iasad,  ach  bha  e  air  a  theagasg  do 
chloinn  Israeil  anns  an  lagh  nach  bu  mhaith  le 
lehobhah  gu'm  biodh  an  duine  bochd  a  bha  ann 
an  eisiomail  duine  eile  air  a  chur  gu  naire  air 
dhoigh  air  bith.  Mar  sin  cha  robh  e  air  a 
cheadachadh  dhaibh  dol  a  steach  do  thigh  an 
duine  d'  an  d'  thug  iad  iasad,  ach  seasamh  a 
muigh  gus  an  tugadh  e  a  mach  thuca  e.  Is 
aithne  do  Dhia  cridhe  mhic  an  duine,  oir  is  e 
fein  a  rinn  e  ;  agus  cha  bu  mhaith  leis  an  duine 
bochd  a  bhi  air  a  narachadh  no  air  a  ghorta- 
chadh  le  trusdar  anns  nach  robh  uaisle  no 
faireachadh.  Cha  toigh  le  Dia  daoine  maol, 
no  daoine  durbhaidh,  no  daoine  miomhail,  ach 
amhaircidh  e  air  daoine  caomhail,  faireachdail, 
a  tha  uasal  'n  an  cridhe.  Ma  tha  tuigse  is 
uaisle  ann  an  cridhe  duine,  bidh  e  cho  modhail 
siobhalta  ri  bean  a'  cheaird  's  a  bhitheadh  e  ri 
bean  an  uachdarain,  agus  cha  dean  e  air  an 
duine  bhochd  rud  nach  deanadh  e  air  an  duine 
bheairteach. 

Ma's  duine  bochd  e  cha  chaidil  thu  le  a  gheall. 
Tha  am  facal  so  a'  ciallachadh  gu  robh  e  air  a 
thoirmeasg  do  fheai'-creideis  aodach  duine  a 
chumail  bhuaith  anns  an  oidhche,  ma  thug  e 
seachad  'aodach  mar  urras  no  mar  gheall.  Gu 
trie  cha  robh  rud  eile  aig  na  bochdan  a  b' 
urrainn  iad  a  thoirt  seachad  mar  urras  ach  an 
aodach  ;  cha  robh  de  chuid  an  t-saoghail  aca 
ach  an  t-aodach  anns  an  robh  iad  'n  an  seasamh. 
Ma  bha  coingheall  a  dhith  air  duine  beairteach, 
no  airgiod  ullamh,  dh'  fhaodadh  e  'achadh,  no 
fhion-lios,  no  thigh,  a  thoirt  an  geall  ;   ach  cha 


robh  tighean  no  achaidhean  aig  an  duine 
bhochd,  agus  dh'  fheumadh  esan  an  fhalluinn 
a  bha  m'a  dhruim  a  thoirt  seachad.  Anns  an 
aird  an  Ear  tha  na  bochdan  a'  cadal  'n  an 
aodach  ;  cho  f  had  's  a  tha  a'  ghrian  blath  chan 
'eil  ionndrainn  aca  air  an  fhalluinn  a  dh'  fhag 
iad  ann  an  laimh  an  fhir-creideis,  ach  do  bhrigh 
gu  bheil  an  oidhche  anabarrach  fuar,  cha  robh 
an  lagh  a'  ceadachadh  do  fhear-creideis  falluinn 
an  duine  bhochd  a  chumail  bhuaith  anns  an 
oidhche.  Bha  sin  'n  a  reachd  caomhail.  Cha 
mho  a  bha  e  air  a  chunntas  le  aodhairean  Israeil 
'na  rud  uasal  gu'n  gabhadh  marsanta  ann  an 
geall  a'  bhradh  no  am  muileann-laimhe  leis  am 
biodh  daoine  a'  bleith  an  t-sil  agus  a'  deanamh 
mine.  Am  measg  gach  peacadh  eile  a  chuir 
am  faidh  Amos  as  leth  ludah,  tha  e  ag  radh  so, 
"  Tha  iad  'g  an  sineadh  fein  aig  taobh  gach 
altarach  air  aodaichean  a  ghabhadh  an  geall." 
Bha  sin  a'  ciallachadh  gu  robh  iad  an-iochdmhor 
agus  a'  deanamh  foirneirt  air  na  bochdan. 

Air  uairean  bidh  e  a'  cur  ionghnaidh  air 
daoine  car  son  a  tha  am  Biobull  a'  cur  sios  cho 
trom  air  an  duine  a  bha  togail  reidh  o  bhrathair. 
Tha  gu  leoir  de  Chriosduidhean  an  diugh  a' 
tighinn  beo  air  riadh  an  cuid  airgid  ach  chan 
'eil  sin  a'  toirt  oilbheim  air  bith  d'  an  coguis. 
Dh'  fheuch  Iain  Ruskin  ri  thoirt  air  muinntir 
Bhreatuinn  a  chreidsinn  gu  bheil  e  cearr  dhaibh 
riadh  a  ghabhail  air  son  iasad  airgid,  ach  ged 
thug  e  dhaibh  moran  de  'n  sgriobtur  a  dhaing- 
neachadh  a  theagaisg,  dh'  fhairtlich  air  toirt 
orra  eisdeachd  ris.  Cha  do  chreid  iad  aon 
f  hacal  de  na  thubhairt  e  riu,  agus  lean  iad  orra  a' 
cur  reidh  'n  am  poca. 

Cha  toir  thu  air  do  bhrathair  riadh  a  thoirt 
seachad  ;  riadh  airgid,  riadh  bidh,  riadh  ni 
sam  bith  a  bheirear  air  riadh. — Deuteronomi 
xxiii.  19. 

Car  son  a  tha  daoine  an  diugh  a'  saoilsinn  ceart 
rud  a  bha  na  faidhean  a'  saoilsinn  cearr  ?  Tha, 
a  chionn  gu  'n  d'  atharraich  an  saoghal  gu  mor  o 
laithean  Mhaois,  agus  nach  e  idir  an  aon  rud  a 
tha  sinne  agus  Maois  a'  ciallachadh  le  riadh. 
An  uair  a  dh'  iarras  duine  iasad  airgid  air  duine 
eile,  no  air  banca,  an  diugh,  tha  e  'g  a  iarraidh 
a  chum  a  ghnothuch  fein  a  dheanamh  leis.  Tha 
e  'g  a  iarraidh  air  son  toiseachadh  air  marsan- 


TROCAIR  ANNS  AN  LAGH 


tachd,  no  air  malairt,  no  air  obair  air  chor-eigin 
a  bhios  a  chum  buannachd  dha  fein.  Tha  e  a 
cheart  cho  cothromach  gu  'm  paigheadh  e  riadh 
air  son  an  airgid  leis  a  bheil  e  a'  cur  stuic  air 
baile  no  ann  am  biith  's  a  tha  e  cothromach 
gu'm  paigheadh  e  mal  air  son  a'  bhiitha  no  a' 
bhaile.  Ach  anns  an  t-seann  t-saoghal  cha  b' 
ann  a  dheanamh  malairt  leis  an  airgiod  a  bha 
daoine  ag  iarraidh  iasad  airgid,  ach,  mar  bu 
bhitheanta,  a  cheannach  arain  agus  a  shasuch- 
adh  an  acrais.  B'e  an  duine  a  bhiodh  ag 
iarraidh  iasad  airgid,  an  duine  a  bha  'n  a  eigi?in. 
N'  am  biodh  riadh  air  a  chur  air  a  leithid  sin  de 
dhuine,  bhiodh  e  na  bu  mhiosa  na  bha  e  roimhe, 
agus  bhiodh  'eiginn  air  a  dliblachadh.  Mar  sin 
bha  e  air  a  chunntas  'na  rud  leibideach  riadh  a 
ghabhail  bhuaith,  agus  tha  na  faidhean  a' 
labhairt  gu  taireil  mu  na  daoine  a  ghabhadh  e. 
Tha  iad  ag  radh  nach  'eil  tlachd  aig  Dia  annta 
na's  mo  na  tha  aig  daoine. 

Bha  an  lagh  a'  toirmeasg  foirneart  a  dhean- 
amh air  seirbhiseach  no  a  thuarasdal  a  chumail 
bhuaith  ro  f  hada  ;  air  a  la  hheir  thu  dha  a  thuaras- 
dal, agus  cha  teid  a'  ghrian  sios  air,  oir  tha  e  bochd 
agus  a'  suidheachddh  a  chridhe  air,  air  eagal, 
gun  glaodh  e  a'  d'  aghaidh  ri  lehohhah,  agus  gum 
b'e  e  'n  a  pheacadh  dhuit.  Bha  sin  'n  a  reachd 
trocaireach,  agus  an  diugh  fhathast  bu  choir  do 
dhaoine  a  chuimhneachadh.  Le  cion  suinae  no 
smuaineachaidh  tha  moran  dhaoine  nach  paigh 
am  fiachan  no  na  cunntasan  a  tha  aig  marsantan 
is  luchd-oibre  'n  an  aghaidh  air  an  la  cheart  ; 
cuiridh  iad  dail  anns  a'  ghnothuch,  agus 
theagamh  gu'm  feum  an  luchd-oibre  feitheamh 
fad  sheachduinnean  ri  airgiod  a  tha  dhith  orra 
gu  dona.  Chan  'eil  sin  ceart,  agus  chan  'eil  e 
uasal  do  dhuine  air  bith  a  leithid  a  dheanamh, 
ged  is  trie  a  tha  daoine  ris  an  abrar  uaislean  'g  a 
dheanamh.  Tha  an  duine  glic  a  sgriobh  leabhar 
nan  Gnath-fhacal  ag  iarraidh  oirnn  gun  dail  a 
chur  ann  am  paigheadh  ar  fiachan. 

Na  h-abair  ri  d'  choimhearsnach,  Falbh,  agus 
thig  a  ris,  agus  am  maireach  bheir  mi  dhuit  e, 
an  uair  a  tha  e  agad  Idimh  riut. 

Bha  an  lagh  ag  iarraidh  air  tuathanaich  na 
bochdan  a  chuimhneachadh  anns  an  fhoghar. 
An  uair  a  bhuaineas  sibh  foghar  bhur  fearainn 
cha  bhuain  thu  gu  buileach  oisinnean  t'  achaidh. 
Agus  ma  dKichuimhnicheas  tu  sguab  's  an  achadh 
cha  phill  thu  'g  a  togail.  Bha  na  sguaban  sin 
agus  na  h-oisinnean  ri  bhi  air  am  fagail  air  son 
choigreach  is  dhilleachdan,  agus  air  son  na 
banntraich.  Chan  'eil  leabhar  air  an  t-saoghal 
anns  am  faigh  thu  briathran  as  caomhaile  agus 
as  trocairaiche  a  thaobh  nam  bochd  na  gheibh 
thu  anns  an  t-seann  Tiomnadh. 

An    ti    a   ni  foirneart    air    a'    bhochd    mas- 

laichidh  e  a  Chruithear. 
Ach   bheir  an   ti   sin  urram  dha   a  ghabhas 

truas  do'n  fheumach. 


Is    beannaichte    esan    a    bheir    an    aire    do'n 

ainnis 
Ann  an  la  an  uilc  saoraidh  lehobhah  e. 

Cha  teirig  am  bochd  as  an  tlr  a  chaoidh  ; 
uime  sin  tha  mi  ag  aithneadh  dhuit  do  lamh 
fhosgladh  do  d'  bhrathair,  do  d'  bhochd,  agus 
do  d'  uireasbhuidheach  a'd'  dhidhaich. 
An  ti  a  ni  tair  air  a  choimhearsnach  pea- 
caichidh  e,  ach  is  sona  an  tt  a  ghabhas  truas 
do  na  bochdan. 

Ma  dh'  fhdsas  do  bhrathair  bochd  maille  riut, 
agus  gun  reic  e  e  fein  riut,  cha  toir  thu  air 
seirbhis  a  dheanamh  mar  thraill. 

Chan  e  mhain  gu  robh  an  lagh  a'  teagasg  do 
dhaoine  a  bhi  uasal  is  trocaireach  ri  each  a 
cheile  ach  bha  e  a'  teagasg  dhaibh  cuideachd 
a  bhi  trocaireach  ris  a  h-uile  creutair  beo,  Ma 
tharlas  do  nead  ebin  a  bhi  romhad  ann  an  craoibh 
air  bith,  no  air  an  lar,  le  coin  bga  ;  no  le  uibhean, 
agus  a'  mhathair  'n  a  suidhe  air  na  h-ebin  bga, 
no  air  na  h-uibhean,  cha  ghlac  thu  a'  mhathair 
maille  ris  na  h-ebin  bga.  Bha  an  lagh  ag  innseadh 
do  mhuinntir  Israel  nach  e  mhain  gu  robh 
lehobhah  a'  gabhail  ciiram  do  dhaoine,  ach  do 
coin  an  adhair  agus  do  dhaimh.  Ma  chi  thu  asal 
duine  aig  a  bheil fuath  dhuit  a'  hiighefo  a  h-eallach, 
agus  gum  b'aill  leat  fantuinn  o  chbmhnadh  a 
dheanamh  rithe,  ni  thu  gu  cinnteach  cbmhnadh 
rithe.  A  reir  an  lagha  bha  fois  na  Sabaid  ri 
bhi  air  a  thoirt  do  na  h-ainmhidhean  cho  mhaith 
ri  mac  an  duine.  Am  measg  gach  aithne  eile  a 
thug  Maois  do  mhuinntir  Israeil  ann  an  ainm 
lehobhah  thug  e  dhaibh  i  so,  Cha  bhruich  thu 
meann  ann  am  bainne  a  mhathar.  Tha  an  aithne 
so  car  neonach,  agus  tha  cuid  de  sgoilearan  am 
beachd  gur  e  an  t-aobhar  gu  robh  so  air  a 
thoirmeasg,  gu  robh  am  bainne  air  uisneacHfe,dh 
air  son  achaidhean  is  fion-liosan  a  sheunadh  o 
bhuidseachas.  Bha  gisreagan  is  geasadaireachd 
cumanta  gu  leoir  am  measg  chloinn  Israel,  ach 
cha  chuala  mi  riamh  iomradh  air  a'  chleachdadh 
so  a  bhi  'n  am  measg,  agus  tha  mi  an  diiil  gur 
fhearr  dhuinn  a  chreidsinn  gur  e  an  t-aobhar 
gu  robh  an  aithne  so  air  a  thoirt  dhaibh,  gu'm 
bu  mhaith  le  lehobhah  a  theagasg  dhaibh  gun 
an  t-eas-urram  abulugha  a  dheanamh  air  ni  cho 
naomh  ris  an  daimh  mhathaireil. 

Bha  e  air  iarraidh  orra  a  bhi  coibhneil  is 
faireachdail  ri  daoine  air  an  robh  uireasbhuidh  ; 
cha  mhallaich  thu  am  bodhar  agus  roimh  an  dail 
cha  chuir  thu  ceap-tuislidh.  Nach  bu  mhaith  na'n 
robh  na  facail  sin  air  an  sgriobhadh  air  clar 
iaruinn  no  umha,  agus  air  an  ceangal  le 
slabhruidh  mu  amhaich  a  h-uile  duine  aig  a 
bheil  motor  car  }  An  de  fhein,  air  beulaibh  mo 
thighe,  thainig  mi  air  duine  ann  an  car  agus  e 
a'  damnadh  seana  bhoiroinnach  a  chionn  nach 
do  leum  i  as  an  rathad  air  clis  gu  leoir,  agus  gu'm 
b'    fheudar    dha    stad    leth    mionaid.    Bha    an 


LEABHAR  UR— COM-PAIRT  AM  FULANGAS  CHRIOSD 


'crcTitair  truagh  eho  bodhar  's  nach  cluinneadh 
i  muileann-bualaidh  as  a  deidh  gun  tighinn  air 
car.  Is  ann  a  their  iad  riut  gu  dalma  nach  'eil 
coir  aig  bodhair  is  doill  a  bhi  air  an  rathad  idir, 
ach  na'ni  b'  aithne  dhaibh  Maois  dh'  innseadh 
e  atharrachadh  sin  dhaibh. 

"-■    :Ach    chan    'eil    e    ioilffantach    idir    gu    robh. 


trocair  anns  an  lagh,  oir  b'  ann  o  Dhia  a  bha 
e,  agus  o  thoiseach  an  t-saoghail  tha  Dia  a' 
feuchainn  ri  toirt  air  a  chloinn  a  chreidsinn  gu 
bheil  e  fein  caomhail  is  trocaireach,  agus  gur 
toigh  leis  cuideachd  a  chlann  a  bhi  baigheil, 
faireachdail,  coibhneil  ;  trocaireach  ri  daoine 
agus  ri  ainnihidhean. 


Leabhar  Ur 


BHO  chionn  ghoirid  fhuair  sinn  leabhar  air 
am  bu  liihaith  leinn  ioniradh  a  dheanamh 
^ir  an  duilleig  so,  agus  iomradh  baigheil 
cuideachd  ;  leabhar  bardachd  a  bha  air  a  chur 
a  mach  le  Aonghus  Moireasdan.  Chan  'eil  f  hios 
againn  CO  e,  is  chan  aithiie  dhuinn  dad  m'a 
jthinlchioll,  ach  an  deidh  dhuinn  an  leabhar  a 
ieughadh  tha  fhios  againn  co  dhiu  gu  bheil 
Gaidhlig  nihaith  aige,  agus  gu  bheil  gaol  aige 
air  a  dhiithaich  agus  air  a  dhaoine  agus  air  a 
chanain. 

",  Tha  iomadh  rud  anns  an  leabhar  so  a  chord 
ruinn,  ach  is  e  an  rud  as  fhearr  a  chord  ruinn  air 
fad,  aril  niineachadh  a  tha  e  a'  deanamh  aig 
deireadh  an  leabhair  air  facail  shonraichte  ; 
facail  dhuilich  is  facail  nach  'eil  a  nis  air  an 
cleachdadh  ach  annamh.  Tha  a'  chuid  so  de'n 
obair  air  a  deanamh  cho  mhaith  's  ged  b'e 
sgoilear  an  Oil-thigh  Chambridge  a  bha 
mineachadh  facail  Ghreigis  ;  tha  i  cho  maith  's 
gun  rachadh  aig  Mghr  Aonghus  Moireasdan 
air  rosg  Gaidhlig  a  sgriobhadh  a  bhiodh  moran 
ria  b'  fhearr  na  bhardachd,  na'n  togradh  e. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  gu  bheil  sinn  coma 
de'n  bhardachd  a  tha  anns  an  leabhar,  ach  bha 
na  baird  riamh  cho  lionmhor  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  agus  an  fheadhainn  d'am  b'  aithne 
rosg'  a  sgriobhadh  cho  gann,  's  gu'm  biodh  e 
'h  a-  bhuanriachd  do  litreachas  ar  diithcha  na'n 
fugadh  na  daoine  d'an  aithne  rosg  a  sgriobhadh 
an  aire  air  sin  a  dheanamh  agus  na'm  fagadh 
iad  a'  bhardachd  aig  daoine  nach  urrainn  dad 
eile  a  dheanamh. 

'  So  leabhar  bardachd  as  diimhaile  a  thachair 
oirnn  o  chionn  fhada  ;  tha  suas  ri  ceithir  cheud 
taobh-duilleig  ann,  agus  ma  theireargu  bheil  mu 
thuaiream  deich  sreatha  fichead  air  gach  taobh- 
duilleig  faodar  obair  a'  bhaird  so  a  chur  sios 


aig  da  mhile  dheug  sreath.  Na'm  b'ui-rainnear 
bardachd  a  thomhas  air  a'  mheidh  bhiodh 
Mghr  Aonghus  Moireasdan  fada  fada  air  thois- 
each air  Dughall  Bochanan,  oir  cha  do  sgriobh 
Dlighall  Bochanan  ach  mu  shia  ceud  deug  sreath.  | 

Sin  an  rud  as  mo  a  tha  againn  an  aghaidh  an  | 

leabhair  so  uile  gu  leir,  gu  bheil  e  ro  fhada.  | 

Dh'  fhaodadh  a'  chuid  mhor  de  na  h-orain  a 
tha  ann  a  bhi  na  bu  ghiorra  gun  dad  a  chall. 
Is  miosa  na'n  an  t-uireasbhuidh  tuilleadh  's  a        \ 
choir.     Is  fhearr  snas  is  grinneas  ann  an  rud         ^ 
air  bith  na  meudachd  is  cudthrom. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  criomain  anns  an 
leabhar  a  tha  maith  agus  a  thug  dhuinn 
toileachadh,  agus  bu  mhaith  leinn  a  bheatha  a 
dheanamh  am  measg  leabhraichean  eile  a  tha 
cur  air  aghaidh  cor  na  Gaidhlig.  Tha  na  cus^ 
pairean  air  a  bheil  e  a'  seinn  anabarrach  lion- 
mhor, cho  lionmhor  's  gu'm  faodar  a  radh  mu 
Aonghus  Moireasdan  mar  bha  e  air  a  radh  mu 
Sholamh,  gii'n  do  lahhair  e  air  craohhaji,  on 
chraoibh-sheudair  a  tha  ann  an  Leha7ion,  eadhon 
gu  ruig  an  kisop  a  dh'fhasas  a  mach  as  a'  hhalla  ; 
lahhair  e  mar  an  ceudna  air  ainmhidhean,  agus  air 
eunlaith,  agus  air  nithean  a  shnaigeas,  agus  air 
eisg.  Gheibhear  anns  an  leabhar  so  dain  agus 
orain  mu  dhaoine  agus  mu  aitean  agus  mu 
bheathaichean  ;  o  Fhionnghall  Dhomhnullach 
gu  Lloyd  George  ;  o  Uidhist  gu  Eirinn  ;  o'n 
chraosair-mhara  gu  sionnach  ainmeil  a  bha  an 
Cinn-tire  ;  gheibhear  ann  dain  mu'n  chuan, 
mu'n  Ghaidhealtachd,  mu  shealg,  mu  shuii'idhe  ; 
orain  gaoil  is  orain  thugaideach,  agus  iomadh 
treathlaich  eile  a  tha  toirt  fa  chomhair  ar  n- 
inntinn  dreach  ar  diithcha  agus  beatha  ar 
sluaigh.  The  an  leabhar  air  a  chur  a  mach  leis 
an  Darien  Press  an  Duneideann  ;  a'  phris  coig 
leth-chriiin. 


Com-Pairt  am  Fulangas  Chriosd 


NACH  ann  an  sin  a  tha  'n  t-urram !  Tha 
sinn  air  ar  baisteadh  le  a  bhaisteadh-san  ; 
tha  sinn  ag  ol  as  a  chupan  ;  tha  sinn  air  ar 
deanamh  cosmhail  ris  am  bron,  mar  a  bhios 
sinn  air  ar  deanamh  an  deidh  so  cosmhail  ris 
an  aoibhneas  !  Sin  far  a  bheil  an  ciiiineachadh 
agus  an  neartachadh.  Ma  tha  ar  cuid  againn 
a  inhasladh,  a  naire,  a  bhochdainn  cuimhniche- 
amaidiguri  robh  a  chuid  fhein  aige-san  dhiubh 


cuideachd.  Ma  tha  againn  ri  dhol  sios  a 
Ghetsemane  no  suas  gu  crann-ceusaidh  smao- 
inicheamaid  gun  robh  esan  an  sud  romainn. 
Is  ann  le  ar  suil  air  an  so  a  thuigeas  sinn  fair- 
eachadh  an  Abstoil,  an  uair  a  rinn  e  "  gair- 
deachaS  'n  a  fhulangasan "  air  sgath  na  h- 
eaglais,  is  e  ri  coimhlionadh  na  bha  dheidh 
laimh  de  fhulangasaibh  'n  a  fheoil,  air  sgath  a 
chuirp,  is  e  sin  na  h-eaglais.  H.  Bonar. 


Air 


5 


930 


Oidhirp 


'Air  ni  nach  urrainnear.'^ — Marc  iii.  5. 


Abheil  an  duine  so  a'  toirt  oidhirp  air  ni  nach 
urrainn  e  dheananih  ?  A  bheil  losa  ag 
iarraidh  air  ni  a  dheananih  is  fhios  aige  nach 
'eil  ann  dh'a  ach  diamhanas  an  oidhirp  a 
dheananih  ?  Nach  canadh  tu  gur  e  duine  gun 
tonaisg  a  bheireadh  an  oidhirp  sin,  air  neo 
duine  aig  an  I'obh  eolas  air  dianihaireachdan  a 
chaidh  fada  thairis  air  eolas  nadurach  ?  Nach 
canadh  tu  gun  robh  duine  a  bheireadh  a 
leithid  a  dh'aithne  tur  aineolach  air  galair  an 
duine  bhochd,  air  neo  gun  robh  buaidh  leighis 
aige  nach  robh  aig  duine  eile  air  thalanih  ? 
Ach  dhearbh  a'  chuis  i  f  hein  a  chum  chii  creidimh 
an  darna  fir  agus  a  chum  chii  cuiiihachd 
ghrasmhor  an  fhir  eile.  Bha  an  t-iongantas 
da-fhillt  ann  :  thug  an  duine  bochd  an  oidhirp 
an  iimhlachd  do'n  aithne,  agus  a  chor  's  gun 
d'thug  rinn  e  an  ni  air  an  robh  e  eu-coniasach 
gus  an  so  :   Shin  e  mach  a  lanih. 

I.  Faodaidh  diiil  a  bhi  agad  ri  nithean 
cruaidhe  o  Dhia.  Oidhirp  air  ni  a  tha  fhios 
agam  nach  urrainn  mi  dheanamh  ?  Ciamar  a 
dh'fhaodas  sin  a  bhi  ?  An  urrainn  ciall  no 
reuson  a  bhi  leis  ?  Co  chuireas  as  mo  leth  mi 
bhi  aindeonach  oidhirp  a  dheanamh  air  ni  niu 
bheil  mi  cinnteach  nach  'eil  e  'n  am  chomas  a 
dheanamh  ?  Ged  tha  fiamh  ghlic  air  na 
bi'iathran  cha  bhi  comhradh  mar  sin  ach  an 
duine  nadura.  A  bheil  an  so  ach  an  aithne  amis 
a  bheil  Dia  ag  iarraidh  air  an  duine  striochdadh 
d'a  thoil.  "  Sin  a  mach  do  lamh."  A  bheil  an 
sin  ach  toil  Dhe  ?  An  can  mi  ris  c'ar  son  a 
shineas  mi  mach  mo  lamh  ?  Nach  bochd  gun 
biodh  sinn  cho  rag  agus  eas-umhail  's  nach 
biodh  sinn  deonach  gabhail  ri  Dia  air  f  hacal  gus 
am  biodh  ar  neonachas  air  a  riarachadh  an 
toiseach.  "  Sin  a  mach  do  lamh  !  "  Mar 
mhuinntir  a^tha  deanamh  uaill  as  an  inbhe  agus 
as  an  eolas  nach  can  sinn  gur  h-e  tha  an  sin  rud 
nach  urrainn  duine  dheanamh  'n  a  near t  f hem. 
Ach  mo  ghille  maith  chuala  cuid  againn  an  ceol 
sin  a  roinihe  ?  An  innis  thu  dhonih  ciod  e  an 
dealachadh  a  tha  eadar  sin  agus  muUach  na 
h-eas-iimhlachd.  Can  gur  h-e  an  tul  fhirinn  a 
tha  ann  :  gun  robh  fios  is  cinnt  aig  an  duine 
bhochd  nach  robh  'n  a  chomas  sud  a  dheanamh. 
An  gabhadh  sin  leisgeul  eas-iimhlachd  ?  An 
gabh  e  fhein  no  duine  eile  air  a  radh  gun 
dh'iarr  losa  air  a  lamh  a  shineadh  a  mach  'n  a 
mart  fhein  ?  Ciod  e  am  fios  a  tha  aig  duine  air 
bith  ciod  a  tha  an  run  losa  'n  a  leithid  sud  a 
dh'am  t     A   bheil   ann   ach   ladarnas    an    as- 


creidimh  agus  a'  mhiomhodh  freagart  mar  sud 
a  thoirt  do  Chriosd.  An  aite  leisgeul  an 
aineolais  agus  eas-iimhlachd  chrabhach  bi  thusa 
glic  agus  leig  sios  do  thoil  agus  do  chridhe  an 
^mhlachd  do  thoil  De  gun  aon  cheisd  a  chur 
air.  Na  faighnich  "  c'ar  son  "  agus  na  can  : 
"  chan  urrainn  mi  "  air  na  chunnaic  thu  riamh. 
An  uair  a  tha  esan  a'' toirt  aithne  tha  e  'g 
lionadh  le  gras,  agus  'g  ad  fhagail  gun  leisgeul 
mur  toir  thu  'n  iimhlachd.  Biodh  i  duilich  no 
air  a'  chaochladh  chan  e  sin  do  ghnothuich-sa. 
Co  dhiubh  theid  leat  no  'n  ad  aghaidh,  is  tu  an 
ceum  na  h-timhlachd,  chan  e  sin  do  ghnothuich 
a'  bharrachd.  Thug  esan  an  aithne  is  thug 
thusa  an  iimhlachd.  Rinn  thusa  mar  a  dh'aithn 
e  (is  e  sin  do  ghnothuich).  Ni  esan  mar  a 
gheall  e.  Thoir  thusa  dha  do  thoil  is  e  'g  ad 
ghairm  is  chan  'eil  unnad  fhein  no  an  ifrinn  na 
chuireas  rtin  grasmhor  do  Shlanuighir  cas  mu 
sheach.  Sin  thusa  mach  do  lamh  air  fhacalsan, 
seargta  's  gun  liith  's  mar  a  tha  i,  le  do  Ian 
fhios  agus  cha  ghabh  thu  an  t-aithreachas. 
Bidh  e  sgriobhta  air  claraibh-cuimhne  nam 
flaitheas  :  "  Agus  shin  e  mach  i." 

An  uair  a  tha  losa  dol  a  dheanamh  obair 
grais  faodaidh  e  co  dhiubh  iongantas  a  chur  air 
a'  chreutar.  "  Eirich  's  a'  mheadhon  "  !  Ciod 
e  nis  a  tha  fo  aire  f  Tha  e  dol  a  dheananih 
rud  eigin.  Ach  ciod  e  as  urrainn  e  dheananih  ? 
Ma  's  ann  a'  dol  a  dheanamh  oidhirp  air  niise 
leigheas  a  tha  e  ;  'eil  fhios  nach  teid  sin  mu 
laimh  air  ?  Chan  e  h-uile  cumhachd  a  chuireas 
biorgadh  beatha  ann  am  smior  marbh  mo 
laimhe-sa.  Ach  feumaidh  mi  aideachadh  nach 
ann  's  a'  h-uile  clachan  a  gheibhear  leithide  an 
leighiche  so.  Bheil  fhios  an  seas  mo  chreidimh 
ris  ?  Ach  tha  mi  deonach  gum  feuchadh  e. 
Ma  theid  leis  nach  mise  bhios  air  mo  dhoigh  ! 
Tha  e  mar  sin  a'  diisgadh  dochais  is  creidimh 
agus  spiorad  na  h-tmihlachd.  An  sin  tha  e  'g 
an  gairni  gu  cleachdadh  ;  agus  ciod  e  do 
bharail,  nach  'eil  a'  dol  leis,  agus  nach  'eil  Dia 
air  a  ghlorachadh  ann  ! 

II.  Faodaidh  diiil  a  bhi  agad  ri  nithean 
grasmhor  o  Dhia.  B'e  latha  nam  beannachd  a 
thainig  air  an  duine  bhochd  so  an  la  ud.  Fhuair 
e  a  chuid  fhein  dhe'n  trioblaid  's  dhe'n  latha 
dhorch.  Ma's  ann  ris  an  obair-la  a  bha  e  an 
earbsa.  Ma  bha  teaghlach  bg  agus  am  mathair 
an  urra  ris,  tha  mise  cinnteach  gur  h-iomadh 
deur  a  shil  e  os  an  cionn  aims  an  uaigneas.  An 
e  clachair  no  saor  no  sgriobhadair  a  bha  ann  ? 


2 


OIDHTRP— ANNS  A'  CHUBAID 


Ma's  e  nach  ann  air  a  bha  an  ionndrain  !  nach 
bu  deonach  a  dhealaicheadh  e  ri  buadh  eile 
seach  a  lamh  dheas  ?  Gidheadh  thainig  bean- 
nachd  'n  a  luib  an  aite  's  air  latha  nach  robh 
diiil  aige.  Cha  do  chruadhaich  a  chridhe  ged 
thuit  oidhche  dhorch  an  fhreasdail  air.  Is  ann 
an  tigh  an  Tighearna  agus  an  uair  an  aoradh 
fhollaisich  a  sgap  na  neoil  's  a  dhealraich  gi-ian 
nam  beannachd  air  a  cheann  agus  air  a  theagh- 
lach.  Ciod  bu  duile  dha  an  uair  ud  na  lamh 
sheargta  a  shineadh  ?     Cha  bhiodh  an  sud  ach 


miorbhuil,  is  c6  esan  gum  bu  dana  leis  duileach- 
adh  ri  vnorhhuil  ?  Ach  gidheadh  cha  b'fhada 
gus  an  do  rinn  Criosd  miorbhuil  air  a  rinn  e  'n 
a  dhuine  nuadh. 

Ma  dh'  fhaodas  dochas  a  bhi  againn  ri 
nithean  grasmhor  bho  Dhia  feumaidh  sinn 
'I'nithean  do-chreidsinn  a  chreidsinn:  bheir  Dia 
maitheanas  do  chean-feadhna  nam  peacach  : 
leighisidh  e  eadhon  thusa.  '^'Dean  oidhirp  air 
ni  nach  urrainn  duine  beo  a  dheanamh.  Thoir 
timlachd  toil  is  cridhe  do  thoil  Dhe. 


Anns  a'  Chubaid 


"  Is  cosnihuil  rwghachd  neimh  ri  duine  a  chuir  siol  maitli  'w  a  fhearann. 


-Mata  xiii.  24. 


ANN  an  cosmhalachd  a'  chogail  tha  Criosd 
a'  teagasg  dhuinn  gun  bhi  ag  altrum  dochas 
faoin  a  thaobh  na  h-eaglais  air  thalamh.  Bha 
fiughair  aig  Eoin  a'  Bhaistidh  ri  Mesiah  a 
bheireadh  breitheanas  air  an  t-saoghal.  Bithidh, 
ars'esan,  a  ghuit  'na  laimh,  agus  glanaidh  e  iirlar- 
bualaidh,  agus  cruinnichidh  e  a  chruithneachd  d'a 
thigh-tasgaidh  ;  ach  loisgidh  e  am  moll  le  teine 
nach  feudar  a  mhiichadh.  Bha  diiil  aig  na 
deisciobuil  gu'm  biodh  rioghachd  Dhe  air 
thalamh  iomlan  ;  gu'm  biodh  na  h-ionracain 
uile  air  an  eruinneachadh  innte,  agus  gu'n 
tilgteadh  a  mach  aisde  na  h-aingidh.  Anns  a' 
chosmhalachd  so  thubhairt  Criosd  riu  gu'n 
tachradh  sin  uair-eigin,  ach  nach  tainig  an 
t-am  fhathast.  Leigibh,  ars'  esan,  leis  a' 
chruithneachd  agus  leis  a'  chogal  fas  cbmhla  gus 
an  tig  am  fogharadh,  agus  an  cuir  Mac  an  duine 
a  mach  'ainglean,  agus  an  cruinnich  iad  an  cruith- 
neachd  d'a  shahhal,  agus  an  tilg  iad  an  cogal  's  an 
teine. 

I.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas  taobh  ri 
taobh  anns  gach  duine  air  thalamh.  Chan  'eil 
duine  air  bith  iomlan  is  cha  mho  a  tha  duine  air 
bith  tur  aingidh.  Anns  na  daoine  as  fhearr  tha 
iomadh  failing  ;  anns  na  daoine  as  miosa  tha 
maitheas  air  chor-eigin.  An  uair  a  leughas  tu 
mu  dhroch  bheatha  an  iompaire  Nero  saoilidh 
tu  nach  robh  ann  ach  sgealbh  de  Shatan,  ach 
an  deidh  a  bhais,  chaidh  boirionnach  air  a' 
mheadhon-oidhche  agus  chuir  i  fliiraichean  air 
an  uaigh  aige.  Bu  leir  dhi-se  rud  air  chor- 
eigin  ann  nach  fhaca  daoine  eile.  Saoilidh 
sinn  air  uairean  gu'n  d'amais  sinn  mu  dheireadh 
air  duine  iomlan,  duine  anns  nach  'eil  ach 
smior  a'  chruithneachd,  ach  'nuair  a  dh'  fhasas 
sinn  na's  eolaiche  air,  agus  a  chluinneas  sinn  a 
sheanchas  aig  taobh  an  teine,  chi  sinn  gu 
bheil  gas  no  dha  de'n  chogal  ann  mar  an 
ceudna.  Air  an  laimh  eile  saoilidh  sinn  air 
uairean  gu'n  d'  amais  sinn  air  diu  nam  fear, 
duine  anns  nach  'eil  dad  ach  cogal,  ach  'nuair 
is  aithne  dhuinn  e  na's  fhearr  chi  sinn  dias  is 
dias  de'n  chruithneachd  ann.     Anns  na  naoimh 


as  fhearr  chan  'eil  an  t-achadh  aig  Criosd  dha 
fein  gu  buileach  ;  anns  na  peacaich  as  seachra- 
naiche  chan  'eil  e  aig  Satan.  Tha  an  cruith- 
neachd agus  an  cogal  a'  fas  am  measg  a  cheile. 
Cha  bu  choir  dhuinn,  ma  ta,  a  bhi  deas  gu  bhi 
toirt  breith  air  daoine  eile.  Bu  choir  dhuinn 
sin  fhagail  aig  Dia,  oir  is  ann  da  a  bhuineas  e. 
Ma  ghabhas  sinn  gnothuch  ri  rud  nach  buin 
dhuinn,  no  ri  rud  nach  aithne  dhuinn,  is  docha 
gu'n  teid  sinn  fada  cearr,  agus  gu'n  toir  sinn 
cuid  nan  gobhar  do  na  caoraich.  Cha  bu  lugha 
na  Dia  fein,  a  tha  iomlan  an  eolas,  an  tuigse, 
agus  an  caomhalachd,  a  b'urrainn  breith 
chothi'omach  a  thoii't  air  rud  cho  diomhair  agus 
cho  do-rannsaichte  ri  cridhe  mhic  an  duine. 

II.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas  taobh  ri 
taobh  anns  a  h-uile  obair  ris  an  cuir  daoine  an 
lamh.  An  uair  a  sgriobh  Pol  gu  eaglais 
Chorint  mhol  e  i  air  son  a  saothrach,  a  h-eud, 
agus  a  dichill,  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil,  ach 
?iochdadh  dhomhsa,  ars'  esan,  gu  bheil  cbmhstri 
'n  'ur  measg.  Air  cho  eudmhor  's  g'am  bi 
seirbhisich  an  Tighearna  ;  air  cho  aon-sgeulach 
's  g'am  bi  iad  ann  an  obair  air  bith  air  an  toisich 
iad,  faodar  a  bhi  cinnteach  nach  teid  an  obair 
fad  air  a  h-aghaidh  gun  a  chorrag  a  bhi  aig 
Satan  innte.  Far  am  bi  daoine  ag  oibreachadh 
comhla,  co  dhiu  is  buill-eaglais  iad  no  nach 
eadh,  bidh  fai-mad  is  uabhar  is  raiteachas  is 
droch  nadur  an  sin,  agus  iomadh  rud  eile  nach 
buin  do  Dhia.  Tha  moran  dhaoine  ann  a 
thilgeas  bhuapa  an  obair  mur  faigh  iad  an  toil 
fein,  no  mur  bheil  an  companaich  a  reir  an 
inntinn.  B'  fhearr  leo  a  bhi  'nan  tamh  seach 
a  bhi  air  an  salachadh  le  cogal.  Cha  b'e  sin 
an  seorsa  inntinn  a  bha  aig  Pol.  Bha  comh- 
oibrichean  aige  anns  an  t-soisgeul  a  bha  maith 
is  dona  is  meadhonach  ;  bha  cuid  dhiubh  a' 
searmonachadh  Chriosd  tre  dheagh  thoil,  agus 
cuid  tre  fharmad  ;  cuid  tre  ghradh,  agus  cuid 
eile  tre  chonnspoid,  ach  cha  do  chuir  sin 
ionghnadh  no  fearg  air  Pol,  agus  is  e  thubhairt 
e,  Ciod  ma  ta  ?  Co  aca  is  ann  an  coslas  a  mhain, 
no  da  rzreadh,  a  tha  Criosd  air  a  shearmonachadh. 


ANNS  A'  CHUBAID— CAIRDEAN  PHOIL 


3 


tha  mise  a'  deanamh  gairdeachais.  Nach  fhada 
air  falbh  iiintinn  Phoil  o  inntinn  na  feadhnach 
nach  suidh  aig  boi'd  an  Tighearna  ma  tha 
amharus  aca  gu  bheil  daoine  eile  a'  suidhe 
aige  ris  an  abradh  iad  cogal  na  rioghachd  ! 
Ann  an  diadhaidheachd  na  Gaidhealtachd  gu 
sonraichte  tha  tuilleadh  's  a  choir  de'n  inntinn 
sin  o  chionn  ceithir  flchead  bHadhna,  ach  nia 
tha,  cha  robh  an  inntinn  sin  ann  an  Criosd. 
Ghitilain  esan  gu  faighidinneach  le  comh-oibri- 
chean  a  bha  air  uairean  dall  is  danarra  ;  ghiii- 
lain  e  gu  faighidinneach  le  ludas  fein.  Cha  do 
chuir  e  cul  eadhon  ri  ludas  gus  an  do  chuir 
ludas  ciil  ris. 

III.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas  taobh 
ri  taobh  's  an  eaglais.  Bha  cealgairean  is 
nTcalltairean  anns  an  eaglais  o  thoiseach,  agus 
is  coltach  gu'm  bi  gu  deireadh.  Tha  Criosd  a' 
teagasg  anns  a'  chosmhalachd  so  gur  olc  an 
gnothuch  a  bhi  mar  sin,  ach  nach  gabh  e 
leasachadh  an  drasd.  An  uair  a  bha  e  air 
thalamh  bha  cuid  'g  a  leantuinn,  chan  ann  a 
chionn  gu'm  faca  iad  na  miorbhuilean  ach  a 
chionn  gu'n  d'ith  iad  de'n  aran  a  bheannaich  e, 
agus  gu'n  do  shasuicheadh  iad.  Bha  iad  a' 
meas  gur  buannachd  an  diadhaidheachd. 

Tha  an  seorsa  dhaoine  so  anns  an  eaglais  gus 
an  la  an  diugh,  daoine  leis  am  maith  ainm  na 
diadhaidheachd  a  bhi  aca  ach  a  tha  caoin 
shuarach  mu  thairbhe  na  diadhaidheachd  ; 
daoine  air  an  toir  eagal  dhaoine  an  taobh-a- 
muigh  de'n  chupan  a  ghlanadh  ach  air  nach  toir 
eagal  Dhe  an  taobh-a-stigh  dheth  a  ghlanadh. 
Tha  a'  chealgaireachd  dona  gu  leoir  ann  an 
nithean  saoghalta  ach  tha  i  seachd  uairean  na's 
miosa  ann  an  nithean  spioradail.  Faodaidh  na 
mealltairean  sgleo  a  chur  air  siiilean  dhaoine, 
ach  cha  chuir  iad  sgleo  air  suilean  an  Tighearna, 

a  tha  mar  mhile  coinneal. 

***** 

A71  aill  leat  gun  teid  sinn  agus  gun  cruimiich 
siim  ri  cheile  iad  ?  Ged  nach  tug  tighearn  an 
fhearainn  cead  dhaibh  sin  a  dheanamh  faodaidh 
sinn  a  bhi  cinnteach  nach  robh  e  diombach  gu'n 
d'iaxT  iad  cothi-om  fhaotainn  gus  an  cogal  a 
spionadh.  Thuigeadh  e  gur  e  meud  an  eud 
agus  an  dilseachd  a  thug  orra  a  bhi  'n  a  leithid 
de  chabhaig.  Is  duine  suarach  an  duine  nach 
tainig  e  riamh  'na  inntinn  an  glanadh  ceudna  a 
dheanamh    air    eaglais    Chriosd,    a    thairg    na 


seirbhisisch  ud  a  dheanamh  air  an  achadh 
arbhair.  Air  uairean  saoilidh  sinn  gu  bheil  an 
gnothuch  furasda  gu  leoir  ach  tha  Criosd  a' 
teagasg  nach  'eil  e  idir  cho  furasda  's  a  tha 
sinne  an  diiil.  Bu  mhaith  do'n  eaglais  na'n  do 
lean  i  a  theagasg-san  aig  amannaibh  sonraichte 
'na  h-eachdraidh.  Uair  is  uair  eile  ghabh  i 
cuisean  'na  laimh  fein  is  chuir  i  roimhpe  nach 
fuilingeadh  i  an  cogal  na  b'fhaide,  ach  is  e  a 
thainig  as  a  sin  gu'n  do  spion  i  cuid  de'n 
chruithneachd,  agus  gu'n  do  loisg  i  na  martar- 
aich  ann  an  ainm  Dhe. 

Faodaidh  Seanadh  is  Cleirean  is  Seiseinean 
gach  dearbhadh  a  thogras  iad  a  chur  air  luchd- 
aideachaidh  a  thaobh  beatha  agus  creidimh — 
is  tha  e  iomchuidh  gu'n  deanadh  iad  sin  air 
sgath  riaghailt  is  ordugh — ach  'na  dheidh  sin 
uile  bidh  an  cruithneachd  agus  an  cogal  a'  fas 
comhla  anns  an  eaglais  fhaicsinnich.  Bidh  cuid 
a  muigh  a  bu  choir  a  bhi  stigh,  is  bidh  ainmean 
sgriobhta  ann  an  leabhraichean  comanachaidh 
air  thalamh  nach  'eil  sgriobhta  ann  an  Leabhar 
na  beatha  air  neamh.  Tha  diomhaireachd  anns 
an  leabhar  sin  nach  bi  air  fhoillse achadh  gus  an 
cuir  Dia  a  mach  mar  bhuanaichean  na  h- 
ainglean. 

Chan  'eil  meur  de'n  eaglais  choitchinn  is 
urrainn  a  ghabhail  oirre  fein  a  radh  gur  e 
ise  fior  eaglais  Chriosd.  Cha  mho  a  bu 
choir  do  chomunn  air  bith  de  Chriosduidhean  a 
radh  gur  e  iadsan  an  cruithneachd  agus  each 
an  cogal.  Ma  their  iad  sin,  feuraaidh  iad 
cunntas  a  thoirt  do  Dhia  air  son  facal  a  tha 
an  da  chuid  dana  agus  diomhain. 

C'aite,  ma  ta,  am  faighear  fior  eaglais 
Chriosd  ?  Ma  shiubhlas  tu  diithaich  no  dtith- 
channan  air  a  toir  tha  thu  air  toir  dhiomhain, 
oir  cha  tig  rioghachd  Dhe  air  chor  gu  mothaichear 
i  J  cha  mho  a  their  iad,  Feuch  an  so,  no,  Feuch 
an  sin  :  air  feuch  tha  rioghachd  Dhe  an  taobh  a 
stigh  dhibh.  Gheibhear  sluagh  Chriosd  anns 
gach  tir  fo'n  ghrein  agus  anns  gach  eaglais  no 
comunn  bhraithrean  air  thalamh.  Far  a  bheil 
irioslachd  is  naaitheas  is  naomhachd  air  an 
aideachadh  ;  far  a  bheil  toil  Dhe  air  a  deanamh 
agus  ainm  uasal  Chriosd  air  a  bheannachadh  ; 
far  a  bheil  aoradh  is  iirnuigh  air  an  deanamh 
ann  an  spiorad  agus  ann  am  f irinn  ;  far  a  bheil 
gradh  is  toraidhean  siochail  a'  ghraidh,  an  sin 
tha  fior  eaeflais  Chriosd. 


Cairdean  Phoil 


Titus 


CHA  lugha  na  dusan  uair  a  choinnicheas 
ainm  Thituis  ruinn  ann  an  litrichean  Phoil. 
Ach  an  deidh  sin  tha  e  air  aon  cho  faileasach 
's  a  tha  measg  chairdean  Phoil  :  is  e  gle  bheag 
as     aithne     dhuinn     mu     thimchioU.     Tha     e 


iongantach  duine  cho  gniomhach  ris  nach  'eil  e 
air  ainmeachadh  aon  uair  an  Gniomharan  nan 
Abstol.  Tha  a  dhealbh  air  a  tarruing  gle  choi- 
mhlionta  le  aon  a  tha  'g  a  shamhlachadh  ri  spal 
lainnireach  figheadair,  am  beart  an  t-Slanuighir. 


CAIRDEAN  PHOIL 


Bhuineadh  e  do  Antioch — an  treas  baile  san 
impireachd — baile  mor  is  baile  aingidh.  Bha 
chuid  bu  mhojde  luchd-aiteachaidh  a'  bhaile 
'n  an  Greugaich  ;  agus  a  reir  na  h-uile  coslas 
bu  Ghreugach  Titus  air  an  da  thaobh.  Tha 
aobhar  cuideachd  a  bhi  creidsinn  gun  robh  e 
air  iompachadh  fo  theagasg  Phoil.  Co  dhiiibh, 
tha  Pol  a'  gairm  a  mhac  dheth  anns  an  t-seadh 
anns  a  bheil  e  gairm  a  mhac  de  Thimoteus. 

Faodaidh  e  bhi  gu  bheil  iuchair  beatha  agus 
saothair  Thituis  air  am  faotainn  ann  am 
briathran  Phoil  :  "  Ach  Dia  a  bheir  comhfhur- 
tachd  dhaibhsan  a  tha  air  an  leagadh  sios, 
thug  e  comhfhurtachd  dhuinne  le  teachd 
Thituis  "  (2  Cor.  vii.  6).  Tha  sin  ag  innse  gun 
robh  Titus  'n  a  mhac  na  comhfhurtachd  mar  a 
bha  Barnabas — 'n  a  mhac  na  sithe,  mar  a 
dh'fhaodar  a  ghairm  dheth,  coltach  ris  an  righ, 
an  vii  Edward.  Bha  iomadh  ainm  aig  Edward, 
ach  cha  robh  ainm  bu  dluithe  a  cheangail  e  ris 
an  t-sluagh,  no  ainm  bu  docha  leis  fhein  na 
"  Mac  na  Sith." 

Faodaidh  nach  bi  e  cearr  mar  sin  ma  dh' 
amhairceas  sinn  air  cuid  dhe  na  roidean  anns 
an  robh  Titus  'n  a  mhac  na  sithe.  Bha  cuid  de 
na  roidean  sin  doirbh  gu  leor,  ach  an  comhnaidh 
labhair  Titus  am  facal  ceart  agus  rinn  e  an  ni 
bha  ceart  gu  dileas,  neo-sgathach,  ach  an 
comhnaidh  gu  sitheil.  An  deidh  sin  chan  'eil 
e  coltach  gun  robh  an  t-aite  ceudna  aige  ann 
an  cridhe  Phoil  a  bha,  abair,  aig  Timoteus  agus 
aig  Silas.  Tha  e  sabhailt  a  radh  nach  robh 
feaiMonaid  a  riamh  aig  duine  a  b'earbsaiche  na 
bha  Titus  aig  Pol. 

Chi  sinn  sin  coimhcheangailte  ri  turus  a 
ghabh  Pol  agus  Barnabas  o  Antioch  gu  leru- 
salemi.  B'e  chrioch  do'n  turus  sin  cuideachadh 
a  thoirt  o  chreidmhich  Antioch  a  chum  an 
co-chreidmhich  an  Jerusalem.  B'e  sin  a'  cheud 
uair  air  a  bheil  cunntas  againn  a  rinn  eaglais 
chinneachail  conihnadh  le  eaglais  nan  liidhach 
an  Jerusalem  no  an  aite  sam  bith  eile.  Chan 
'eil  teagamh  nach  robh  aireamh — an  aireamh 
bu  mho,  bu  mhaith  leinn  a  bhi  creidsinn — 
taingeil  air  son  a'  chuideachaidh  a  chuireadh 
d'an  ionnsaigh.  Rinn  sin  na  bu  mhiosa  gun 
robh  cuid  ann  a  bha  air  a  chaochladh.  Fhuair 
iad  sin  coire  do  Phol  agus  do  Bharnabas  air 
son  neach  neo-thimchioll-ghearrta  mar  a  bha 
Titus,  a  bhi  'n  an  comunn,  eadhon  ged  bha 
fhios  aca  gum  bu  chreidmheach  Titus,  agus 
neach  a  bha  air  aideachadh  gu  mor  leis  an 
Tighearna,  gun  ghuth  a  thoirt  air  gun  robh  e 
air  tighinn  a  dheanamh  cobhair  orra  fhein. 
A  bheil  ni  sam  bith  cho  mi-reusanta  ri  cumhan- 
nachd  gun  bhonn  ? 

Tha  e  cur  an  cuimhne  na  thachair  do'n 
sgriobhadair  an  uair  a  bha  e  'n  a  bhalach  'san 
sgoil.  Ghlac  e  a'  ghriuthrach  agus  b'eigin  a 
thoirt  do'n  tigh-eiridinn.  Ann  an  sin  fhuair 
e  mor-choibhneas  o'n  bhanaltrum.     Chuir  i  fo 


ghealladh  e  gun  sgriobhadh  e  da  h-ionnsaigh. 
Thachair  gum  b'e  ban-phapanach  a  bh'innte. 
"  Chan  'eil  e  ceart  dhuit,"  arsa  cuid  eigin, 
"  sgriobhadh  a  dh 'ionnsaigh  ban-phapanach." 
Chuir  sin  dragh  air.  Air  son  's  gum  biodh  fios 
aige  ciod  bu  choir  dha  a  dheanamh,  sgriobh  e 
a  dh 'ionnsaigh  athar.  B'e  an  fhreagairt  a 
fhuair  e  :  "  An  comhnaidh  aidich  gu  taingeil 
coibhneas  sam  bith  a  nithear  riut.  Agus  air 
do'n  bhanaltrum  Docharty  a  bhi  'n  a  ban- 
phapanach  tha  i  na's  airidh  air  taing."  Chan 
'eil  e  maith  a  bhi  cumhang  far  nach  'eil  an 
fhirinn  cumhang. 

Ach  gu  tighinn  ar  n-ais  gu  Titus,  cha  robh 
Pol  fada  a'  faighinn  a  mach  an  seorsa  duine  a 
bh'ann.  Bha  Pol  air  a  cheud  litir  a  chum  nan 
Corintianach  a  chriochnachadh,  agus  c6  a 
b'iomchuidh  na  Titus  air  son  a  giiilan  d'an 
ionnsaigh.  "  So,"  arsa  Pol,  "  theirig  leis  an 
litir  sin  a  chum  nan  Corintianach.  Leugh  is 
minich  dhaibh  i,  agus  sparr  orra  a  teagasgan 
's  a  h-earalan.  Tha  cuid  de  nithean  cruaidh 
innte,  ach  is  tusa  an  duine  air  son  falbh  leatha." 
Cha  robh  'n  corr  mu  dheidhinn.  An  dleas- 
danas  a  dhiult  ApoUos  a  ghabhail  os  laimh,  do 
bhrigh  faodaidh  e  bhi  am  spiorad  eudaich  a  bha 
am  measg  nan  Corintianach,  coimhcheangailte 
ris  fhein  agus  Pol,  ghabh  Titus  os  laimh,  agus 
shoirbhich  leis.  Leugh  is  mhinich  e  an  litir. 
Sparr  e  air  an  eaglais  iad  a  ghabhail  gu  cridhe 
an  suidheachadh  anns  an  robh  iad  agus 
aithreachas  a  dheanamh.  B'e  thainig  as  :  bha 
an  eaglais  air  a  gluasad  gu  mor — cuid  eadhon 
gu  deoir.  Chuir  iad  an  tigh  an  ordugh  le  bhi 
briseadh  sios  spiorad  eas-aonachd,  agus  a' 
tilgeadh  a  mach  a  mheud  agus  aig  nach  robh 
caithe-beatha  giiilanta.  Chithear  sin  uile  anns 
an  t-seachdamh  caibdil  de'n  dara  litir  a  chum 
nan  Corintianach,  far  am  faicear  cuideachd 
gairdeachas  Phoil  air  son  gun  robh  ciiisean  air 
an  cur  ceart  ;  agus  a  thaingealachd  do  Thitus 
mar  inneal  air  an  sin.  Oir  cha  b'e  mhain  gun 
d'thug  e  sith  mun  cuairt,  ach  fhuair  e  cuidea- 
chadh nach  robh  beag  bho  chreidmhich  shaoi- 
bhir  Chorintus  air  son  nam  braithrean  bochda 
a  bha  fuireach  an  lerusalem. 

Tha  Titus  a'  tighinn  am  fradharc  a  rithisd 
coimhcheangailte  ri  eilean  Chrete,  an  cuan 
Eadarra-thir.  Tha  e  coltach  gun  d'thainig 
an  Soisgeul  gu  Crete  le  beagan  a  bhuineadh 
do'n  eilean  a  bha  cruinn  air  latha  na  Cuingeis. 
Ach  bha  comain  aig  Pol  orra  nach  robh  aig 
duine  sam  bith  eile — cha  b'ann  do  bhrigh  's  gun 
robh  meas  aig  Pol  air  an  caithe-beatha.  Cha 
do  thachair  cinnich  a  riamh  ris  cho  borb  riu. 
Ach  bha  meas  aige  air  gras  Dhe,  agus  bha 
meas  aige  air  Titus,  a  chionn  's  gun  do  mheudai- 
cheadh  gras  Dhe  ann. 

Chuir  e  esan  d'an  ionnsaigh  le  ughdaras  an 
eaglais  a  shuidheachadh  air  bonn  steidhichte. 
Bha  aige  v\  eildeirean  a  shuidheachadh  aig  am 


CAIRDEAN  PHOn<— ANNS  A'  CHATHAIR 


biodh  an  caithe-beatha  a  reir  an  dreuchd  : 
"  neochoireach  mar  stiubhardaibh  Dhe,  gun  a 
bhi  fein-thoileil,  no  feargach,  no  olmhor,  no 
buailteach  no  cionail  air  buannachd  neoghlan  ; 
ach  aoigheil,  deidheil  air  daoine  maithe,  ciallach, 
cothromach,  naomh,  nieasarra  "...  a  chum 
gum  biodh  iad  "  comasach  le  teagasg  fallain 
earal  a  thoirt,  agus  an  dream  a  sheasas  'n  an 
aghaidh  a  chur  as  am  bar  ail." 

Sin  mar  a  dhealaich  Pol  agus  Titus.  Cha  do 
choinnich  iad  tuilleadh.  Uine  ghoirid  an  deidh 
sin  chaidh  Pol  a  chur  gu  bas.  Chaidh  Titus  a, 
thoiseachadh  na  h-obair  mhor  a  bha  roimhe 
am  measg  nan  Creutach.  lomadh  bliadhna 
shaothraich  e  'n  am  measg.  Aig  aois  mhor 
bhasaich  e  'n  am  measg — bhasaich  a  chorp,  ach 
re  iomadh  latha  mhair  a  chuimhne  beo  'n  am 
measg.  Thog  iad  eaglais  mhor  riomhach  mar 
chuimhneachan  air  agus  ghairm  iad  ainm  fhein 
dhith.  Cha  b'e  sin  a  mhain  :  ghabh  iad  ainm 
mar  an  iolach-catha  ri  affhaidh  an  naimhdean 


— ni  a  tha  dearbhadh  nach  bi  iad  an  comhnaidh 
aiTti  folach  aig  a  bheil  am  beatha  folaichte  maille 
ri  Criosd  ann  an  Dia.  Bheir  e  chum  an  t-soluis 
iad  's  an  uair  a  chi  iad  a  ghniiis  bidh  iad  Ian 
riaraichte  le  choslas. 

Ach  a  nis,  ma  dh'fhaighnichear  c'aite  am 
faighear  iuchair  beatha  agus  saothair  Thituis, 
gheibhear  i  ann  am  fein-striochdadh  an  uair  a 
bha  e  fathast  6g.  Thoisich  a  bheatha  an  uair 
sin,  agus  cruaidh  's  mar  a  bha  i  bha  i  'n  a  beatha 
shitheil.  Chreid  e  ann  am  Prionnsa  na  sith 
agus  lean  e  'n  a  cheumanna.  Chan  'eil  sin  a' 
ciallachadh  failneachadh  an  dleasdanas  air 
eagal  oilbheum  a  thoirt  seachad  ;  ach  tha  e 
ciallachadh  duine  a'  deanantih  a  dhleasdanais 
leis  cho  beag  oilbheum  's  as  urrainn  a  bhi.  A 
chum  na  criche  sin  feumaidh  duine  beachd 
iosal  a  bhi  aige  air  fhein.  Tha  caonnag  an 
comhnaidh  comhla  ri  uamhar.  Ach  "  is  bean- 
naichte  luchd  deanamh  na  sithe  :  oir  giorear 
clann  De  dhiubh."  E.  G. 


Anns  a'  Chathair 


M 


AR  is  sine  tha  mi  a'  fas,  agus  mar  is  niotha 
m'eolas  air  an  t-saoghal  agus  air  mo  cho- 
chreutairean,  is  ann  is  motha  mo  mheas  air 
daoine  coibhneil.  Theid  eolas  is  sgoilearachd 
is  gleustachd  air  chiil,  agus  na  buadhan  eile 
leis  am  bi  daoine  a'  feuchainn  ris  an  t-saoghal 
so  a  chosnadh,  ach  cha  teid  coibhneas  air  chiil 
gu  brath.  Bidh  diadhairean  is  feallsanaich 
agus  daoine  eile  a  bhios  ag  iomairt  fhacal  mar 
gu'm  biodh  iad  a'  cluich  air  dambrod,  bidh  iad 
a'  deanamh  dealachaidh  eadar  coibhneas  agus 
gradh,  ach  chan'eil  de  dhealachadh  eadar  an 
coibhneas  agus  an  gradh  ach  na  tha  eadar  an 
naosg  's  an  gudaboc  ;  da  ainm  air  an  aon  eun. 
Ciod  a  tha  ann  an  coibhneas  ach  gradh  ann  an 
cleachdadh  ? 

An  uair  mu  dheireadh  a  bha  mi  ann  an  Cille- 
sgumain  bha  mi  fad  feasgair  a'  seanchas  ri 
Seonaid  Eachainn,  agus  am  measg  gach  rud 
eile  air  an  tainig  sinn  thairis,  thug  sinn  greis 
air  moladh  duine  nach  bu  choir  dhuinn,  tha 
eagal  orm,  a  mholadh  idir  ;  duine  d'am  biodh 
e  car  duilich  tesiteanas  fhaotainn  o  Chleir 
Mhuile. 

Chan  fhacas  anns  an  eaglais  e  o  shiubhail 
Maighstir  Lachlainn,  agus  tha  dliith  air  leth- 
cheud  bliadhna  bhuaith  sin  ;  ach  ged  nach  bu 
mhaith  leam-sa  aideachadh  gu  bheil  daoine 
nach  bi  a'  dol  do'n  eaglais  air  slighe  an  dleas- 
danais  no  gu  bheil  iad  cho  mhaith  's  a  dh' 
fhaodadh  iad  a  bhith  na'n  robh  iad  a'  dol 
innte,  feumaidh  mi  a  radh  cuideachd  gu  bheil 
ministearan  gle  uUamh  gu  bhi  tomhas  dhaoine 
le  toimhsean  eile  seach  na  toimhsean  a  chleach- 
das  an  coimhearsnaich.  Tha  iad  ro  uUamh  gu 
bhi  saoilsinn  ffur  e  na  daoine  maith  a  bhios  a' 


dol  do'n  eaglais  agus  na  droch  dhaoine  nach  bi. 
Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a'  gabhail 
lethsgeil  dhaoine  nach  bi  a'  dol  do'n  eaglais  a 
tha  mi  ;  chan  ann  idir,  ach  air  a  shon  sin  tha 
earbsa  laidir  agam  ann  an  tiir  nadurra  an  t- 
sluaigh,  is  tha  e  gle  bhitheanta  a'  tachairt  gu'n 
cuir  an  sluagh  air  thoiseach  daoine  a  chuireadh 
am  ministear  air  dheireadh,  agus  gu'n  cuir  iad 
air  dheireadh  daoine  a  theid  do'n  eaglais  a 
h-uile  Sabaid  anns  a'  bhliadhna. 

Ciod  is  aobhar  dha  sin  ?  Faodaidh  iomadh 
aobhar  a  bhi  aige,  ach  mar  is  trice,  is  e  an 
t-aobhar  gu  bheil  na  daoine  a  chuireas  an 
sluagh  air  thoiseach  coihhneil,  agus  am  beachd 
an  t-sluaigh,  cuiridh  an  coibhneas  folach  air, 
moran  pheacaidhean. 

B'e  sin  an  t-aobhar  gu'n  tug  mise  agus 
Seonaid  Eachainn  greis  air  moladh  an  duine 
ud.  Bha  iomadh  failing  ann — co  ann  nach  '  eil  ? 
— ach  bha  e  'n  a  dhuine  coibhneil  ;  coibhneil  ri 
mhnaoi,  ri  theaghlach,  ri  choimhearsnaich  ; 
coibhneil  ri  feadhainn  nach  robh  coibhneil  ris  ; 
coibhneil  ri  bochdan  is  bantraichean  ;  coibh- 
neil ri  ceaird  is  coin  is  eich  ;  agus  ged  bhios 
iomadh  crois  mhor  is  dhubh  air  an  cur  sios  'n  a 
aghaidh  air  taobh  chearr  na  cunntais  anns  an 
leabhar  dhiomhair  anns  a  bheil  na  nithean  sin 
sgriobhta  air  neamh,  bidh  iomadh  gniomh 
coibhneil  is  criosdail  air  a  chur  ri  chreideas 
cuideachd  anns  a'  cheart  leabhar,  gniomharran 
truacanta  nach  fhaighear  ann  an  cunntaisean 
dhaoine  crabhach  mu'n  abair  an  t-Ui'ramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  gur  iad  puist  na 
h-eaglais. 

Tha  e  duilich  a  radh  ciod  a  thachras  do'n  t- 
seorsa  dhaoine  so  air  taobh  thall  na  h-uaighe, 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


oir  ged  nach  'eil  iad  a  reir  choslais  am  xneasg 
nan  caorach,  agus  ged  nach  urrainn  iad  a  radh 
gu'n  do  ghabh  iad  curam  d'an  anam,  no  gu'n 
do  choimhead  iad  na  h-aitheantan.  tha  iad  ami 
an  iomadh  doigh  a'  nochdadh  an  spioraid  sin 
a  thaitinn  ri  Criosd  an  uaix'  a  bha  e  air  thalamh. 
Do'n  duine  throcaireach  nochd  e  e  fein  trocair- 
each,  agus  ri  daoine  coibhneil  is  iriosal  bha  e 
baigheil. 

Bha  Criosd  anabarrach  trom  air  peacaidhean 
a  tha  ag  eirigh  o  fhuachd-cridhe  agus  o 
fheinealachd  ;  bha  e  trom  air  daoine  aig  an 
robh  cridheachan  cruaidh  is  sanntach  is  uaibh- 
reach  is  gamhlasach,  agus  sgiurs  e  na  creid- 
mhich  anns  an  robh  an  spiorad  sin  le  briathran 
teinnteach  ;  ach  bha  e  daonnan  caomhail  ri 
daoine  blath-chridheach  is  iriosal,  eadhon  ged 
bha  iad  amaideach  is  seachranach,  agus  ged 
bha  na  diasan  cruithneachd  annta  an  impis  a 
bhi  air  an  tacadh  le  eogal.  An  aon  doigh  no 
an  doigh  eile  tha  sinn  uile  a'  toirt  breith  air 
each  a  cheile  gach  latha  d'ar  beatha,  ach  faodar 
a  bhi  cinnteach  gu'n  cuir  ar  breith-ne  air 
uairean  iongantas  air  na  h-ainglean.  Gus  an 
sealbhaich  na  daoine  macanta  an  talamh — agus 
tha  an  la  sin  fad  air  falbh — cha  bhi  guth  Dhe 
agus  guth  an  t-sluaigh  co-ionnan.  Is  deacair 
agus  diomhair  cridhe  mhic  an  duine,  cho 
diomhair  's  nach  bu  choir  dhuinn  a  bhi  deas  gu 
neach  a  dhiteadh  nach  aithne  dhuinn  ach  ann 
an  cuid  ;  agus  sin  maith  dh'  fhaoidte,  a'  chuid 
as  miosa  dheth.  Tha  e  duilich  a  radh,  mar 
thubhairt  mi  cheana,  ciod  a  dh'  eireas  do'n 
t-seorsa  dhaoine  so  a  dh'  ainmich  mi,  no  c'aite 
a  bheil  an  seasamh  aca  gu  spioradail,  daoine 
anns  nach  'eil  an  inntinn  spioradail  agus  aig 
nach  'eil  gaol  air  eaglaisean  no  air  crabhadh, 
ach  a  tha  uasal  is  coibhneil  is  blath-chridheach 
gu  nadurra,  agus  a  tha  daonnan  criosdail  ri  an 
co-chreutairean  as  aithne  dhaibh,  ged  nach  'eil 
an  Dia  nach  fhaca  iad  'n  an  smuaintean  idir. 


Is  coma  ciod  a  their  mise  no  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  umpa,  ach  ciod  a 
theireadh  Criosd  ?  Sin  an  gnothuch.  Ach  co 
dhiu  chan  ann  do  Shatan  no  do  na  gobhair  a 
bhuineas  an  coibhneas. 

Co  ris  a  dh'abras  tu  duine  maith  ?  Chan  'eil 
e  furasda  sin  a  radh  ann  an  aon  fhacal,  ged  tha 
mi  an  diiil  gu'n  aithnich  sinn  uile  duine  maith 
an  uair  a  chi  sinn  e.  Tha  maitheas  agus 
maitheas  ann,  ach  ma  theid  thu  thairis  ann  ad 
inntinn  air  na  daoine  maith  as  aithne  dhuit, 
agus  ma  dh'  fheoraicheas  tu  dhiot  fein  co 
dhuibh  sin  as  fhearr,  tha  fhios  agam  gu'n  cuir 
thu  an  fheadhainn  a  tha  coibhneil  air  thoiseach 
air  each.  Tha  an  duine  coibhneil  mar  neach 
a  thilgeas  aran  air  aghaidh  nan  uisgeachan  ; 
an  deidh  mhoran  laithean  gheibh  e  e  a  ris. 
Gheibh  e  maitheanas  o  choimhearsnaich  air  son 
fhailingean  do  nach  tugadh  iad  maitheanas  ann 
an  duine  eile,  agus  gabhar  a  lethsgeul  an  uair 
nach  gabhar  lethsgeul  dhaoine  eile.  Toimhsear 
dha  leis  an  tomhas  a  thug  e  fein  do  dhaoine 
eile.  Agus  co  aige  tha  fhios  nach  dean  Dia 
an  ni  ceudna  ? 

Tha  da  sheorsa  dhaoine  ann  a  bhios  gu  ti'ic  a' 
deanamh  dibhearsoin  air  daoine  truacanta, 
coibhneil  ;  an  droch  sgealb  sin  ris  an  abradh  J 
Iain  Bunian,  Gliocas  Saoghalta,  agus  an  droch  * 
sgealb  eile  ris  an  abradh  an  Salmadair,  Fear  na 
fanoid,  ach  chan  ann  o  Ghliocas  Saoghalta  a 
gheibhear  an  gliocas  as  airde,  is  chan  ann  o'n 
luchd-fanoid  a  gheibhear  breith  cheart.  Chi 
suilean  nan  naomh  agus  siiilean  na  cloinne 
nithean  nach  leir  dhaibh-san.  Cha  trie  le 
naoimh  no  le  cloinn  no  le  coin  mearachd  a 
dheanamh  mu  dhaoine,  co  dhiu  a  tha  iad  glan 
no  salach,  riomhach  no  luideagach  ;  agus  chan 
fhaca  mise  duine  coibhneil  riamh  do  nach  tug 
naoimh  is  clann  is  coin  an  cridhe  cho  luath  's  a 
thachair  e  orra,  a  dh'  aindeoin  gu  robh  iomadh 
breid  is  toll  air  falluinn  'fhireantachd. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


Gug-giig  ars''  a'  Chuthag 
La  buidhe  Bealltuinn, 


AIR  uairean  briichdaidh  maise  agus  ion- 
ghnadh  an  t-saoghail  a  steach  air  cridhe 
duine  mar  thuil.  Tha  e  duilich  a  radh  ann  am 
briathran  ciod  a  tha  tachairt  aig  na  h-aman- 
naibh  sin,  oir  chan  'eil  ann  am  briathran  ach 
innealan  maol  a  chur  an  ceill  fiosrachadh 
diomhair  a  chridhe.  Chan  'eil  cainnt  idir  air 
na  nithean  as  fhearr  air  thalamh. 

Ach  tha  mi  an  duil  gu'm  faodar  a  radh  mu 
neach  a  chunnaic  aon  phlathadh  de  mhaise  a' 
chruthachaidh,  agus  a  dh'  fhairich  a  chridhe  a' 
leum  le  solas  an  lathair  oibrichean  oirdhearc  an 
Tighearna,  gu  bheil  seorsa  de'n  cheart  ni  a' 


tachairt  ann  ris  an  abair  na  diadhairean  dusgadh. 
Tha  fichead  doigh  aig  Dia  air  daoine  a  dhiisgadh; 
tha  fichead  guth  aige  leis  a  bheil  e  a'  labhairt  r'a 
chloinn  air  thalamh,  agus  ciod  air  bith  aite  anns 
a  bheil  lathaireachd  Dhe  a'  briichdadh  a  steach 
air  cridhe  duine,  is  e  sin  da  rireadh  tigh  Dhe 
agus  geata  neimh. 

Bidh  ceithir-la-deug  fhathast  m'an  tig  a' 
chuthag,  ach  o'n  oisein  so  de'n  Choille  Bheithe 
chi  mi  an  diugh  gu  bheil  buidhe  na  Bealltainn 
gu  fann  ri  f  haicinn  air  na  h-achaidhean  cheana  ; 
mar  a  theireadh  na  seann  daoine,  niios  roimh 
gach  raidhe  a  choslas.     Tha  a'  ghaoth  bog  blath, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


a  sgaoileadh  air  feadh  an  t-saoghail  aileadh  an 
earraich.  Ged  bhiodh  mo  shiiilean  diiinte  dh' 
innseadh  gach  por  'n  am  choluinn  dhomh  gu 
bheil  an  t-earrach  air  tighinn  ;  tha  mo  chluas 
is  mo  chridhe,  mo  chuislean  is  m'  fheithean,  a' 
faireachduinn  tlusmhoireachd  analach. 

Bha  geamhradh  fada  againn  am  bliadhna, 
reothadh  cruaidh  is  gaoth  bhiorach  o'n  tuath 
fad  shia  seachduinnean,  ach  bhiodh  na  seann 
daoine  ag  radh  nach  do  rinn  reothadh  anns  an 
Fhaoilleach  cron  riamh  ;  gu'm  b'  fheairrd  a' 
bhhadhna  uile  reothadh  ann  am  Februari. 
Thug  mise  fanear  na  hhdhean  iomadh  maduinn 
is  feasgar  am  bliadhna,  anns  an  t-seadh  anns 
an  d'iarr  an  Slanuighear  oirnn  sin  a  dheanamh, 
is  chuir  e  ionghnadh  orm  cho  beag  's  a  dh' 
fhairich  iad  am  fuachd.  Theagamh  gu'n  d' 
f hairich  iad  e,  ach  cha  do  leig  iad  leis  an  fhuachd 
an  cur  bharr  an  ciirsa  fein,  is  cha  mho  a  mheat- 
aich  iad  ri  aghaidh  cruadail.  An  uair  a  bha 
a'  ffhealaff-lair  a'  cur  a  a;uib  troimh  'n  talamh 
bha  an  reothadh  cho  cruaidh  's  gu  n  saoileadh 
tu  nach  tigeadh  a  sron  gu  brath  an  uachdar, 
ach  tha  am  braonan  beag  beatha  a  tha  anns  a' 
ghealag-lair  air  a  tarruing  as  an  lanachd  beatha 
a  tha  ann  an  Dia,  agus  a  chionn  gu  bheil,  cha 
b'  urrainn  do'n  reothadh  a'  bheatha  sin  a 
mhiichadh,  is  rinn  a'  ghealag-lair  gu  reidh 
samhach  rud  a  dh'  fhairtlicheadh  air  a  ghimleid 
a  dheanamh.  Na'n  robh  mi  anns  a'  chiibaid 
an  aite  a  bhi  anns  a'  Choille  Bheithe  dh' 
fhaodainn  cosmhalachd  a  dheanamh  as  a  sin, 
ach  faodaidh  tusa,  a  leughadair,  cosmhalachd  a 
dheanamh  dhuit  fein. 

So  an  t-am  de'n  bhliadhna  anns  an  fhiach  do 
dhuine  a  bhi  air  a  ehois  roimh  eirigh  greine,  a 
chluinntinn  ceol  nan  eun  ;  a'  choisir-chiuil  as 
fhearr  air  thalamh.  An  diugh  fhein  tha 
oranaiche  anns  gach  preas,  ach  ged  tha  cuid 
dhiubh  na's  fhearr  na  each  tha  iad  uile  cho 
mills  's  gur  leor  an  sonas  a  bhi  'gan  eisdeachd. 
Tha  e  cho  duilich  do  dhuine  a  radh  co  an  t- 
oranaiche  as  docha  leis  am  nieasg  nan  eun  's  a 
bhitheadh  e  dha  a  radh  co  an  laoidh  as  docha 
leis.  An  uair  a  chluinneas  tu  an  smeorach  air 
geug  craoibhe,  a'  cur  snTior  a  chridhe  anns  an 
oran  a  tha  e  a'  seinn  d'a  chompanach  a  tha 
deanamh  nid  anns  an  tom  ud  thall,  their  thu 
riut  fhein  nach  'eil  guth  eile  an  taobh  so  de 
neamh  cho  binn  ris,  ach  an  ath  mhionaid 
ogaidh  an  lon-dubh  am  fonn  is  bheir  e  ort  a 
radh  nach  'eil  oranaiche  cho  maiseach  ris  anns 
an  ealltuinn. 

Na'm  b'  fheudar  an  taghadh-cruaidh  a 
dheanamh  b'e  mo  roghainn  fhein  an  uiseag  ; 
gu  sonraichte  uiseagan  Thirithe.  Theagamh 
gu'n  saoil  thusa,  a  leughadair,  gu  bheil  ceol  na 
h-uiseig  gun  mhiighadh  ciod  air  bith  aite  an 
cluinnear  e.  Ach  chan  'eil  sin  idir  ceart.  Tha 
a'  cheart  uiread  dealachaidh  eadar  uiseagan 
Thirithe  agus  uiseagan  Pheairt  's  a  tha  eadai- 


Eadailtich  agus  Breatunnaich  a  thaobh  citiil. 
Coltach  ris  na  daoine  tha  cuid  de  na  h-uiseagan 
aig  a  bheil  ribheid  as  fhearr  na  tha  aig  feadhainn 
eile,  is  chuirinn  mo  gheall  gur  ann  an  Tirithe 
a  gheibhear  Melba  agus  Caruso  nan  uiseag. 
Tha  an  t-eilean  a'  freagairt  air  doighean  na 
h-uiseig  is  tha  miltean  dhiubh  ann  ;  air 
maduinn  chiiiin  shamhraidh,  ann  am  beul  an 
latha,  tha  an  iarmailt  uile  air  a  lionadh  le  ceol, 
's  ma  tha  rud  eile  air  thalamh  as  motha  a  bheir 
togail-cridhe  do  dhuine  na'n  ceol  sin  chan 
aithne  dhomhsa  e. 

Tha  e  gle  neonach  nach  'eil  iomradh  idir  ann 
am  bardachd  Oisein  air  na  h-eoin  a  bhios  a' 
seinn  ;  uiseag  no  smeorach  no  lon-dubh. 
Chan  ann  air  m'  urras  fhein  a  tha  mi  ag  radh 
so  ach  air  urras  as  fhearr,  facal  an  Ollaimh 
Gilleasbuig  Mac-a-Chleirich  a  thionndaidh 
bardachd  Oisein  gu  Beurla,  agus  a  sgriobh 
moran  uime.  Theagamh  gu  robh  na  h-eoin 
sin  cho  pailt  anns  a'  Ghaidhealtachd  's  a  tha 
iad  an  diugh  ;  ach  ma  bha,  cha  do  ghabh  Oisean 
no  Mac-a-Phearsoin  suim  dhiubh.  Ach  tha  na 
h-uiseagan  moran  na's  fiachaile  ann  an  crutha- 
chadh  Dhe,  agus  an  ceol  moran  na's  mairean- 
naiche  na  bardachd  Oisein. 

Is  e  a  thug  orm  suidhe  anns  a'  Choille  Bheithe 
an  diugh  gu  robh  mi  air  son  toilinntinn  f  haotainn 
dhomh  fhein,  ach  na'n  robh  mo  choguis  cho 
geur  no  cho  usaideach  's  nach  ruigeadh  i  leam 
a  bhi  'n  am  thamh  gun  aobhar  a  b  fhearr  na  sin, 
rachadh  ag:am  air  leths^eul  maith  fhaotainn. 
Sin  agad  am  feum  a  tha  ann  am  feallsanachd 
agus  ann  an  ealadhain.  Bheir  an  f  heallsanachd 
dhuit  reuson  maith  air  son  rud  a  dheanamh  a 
bha  thu  air  son  a  dheanamh  co  dhiu,  agus 
innsidh  an  luchd-ealadhain  dhuit  car  son  a  tha 
thu  a'  deanamh  na  nithean  a  tha  thu  a'  dean- 
amh cheana. 

Dh'  fhaodainn-sa,  ma  ta,  a  radh  gu'n  tainig 
mi  do'n  Choille  Bheithe  an  diugh  chan  ann  idir 
a  dh'  fhaotainn  solais  dhomh  fein  ach  air  sgath 
mo  choimhthionail  ;  gu'm  faca  mi  gu  robh 
grian  laidir  an  earraich  a'  dearrsadh  agus  gu 
robh  mi  air  son  Ian  mo  chraicinn  fhaotainn  de 
na  gathan  ris  an  abair  daoine  ionnsaichte  gathan 
violet,  los  gu'n  deanainn  m'obair  na's  fhearr. 
Sin  agad  sin. 

Ma's  fior  na  dotairean  tha  iocshlaint  ann  an 
gathan  violet  na  greine  nach  robh  riamh  an 
Gilead.  Sin  an  t-aobhar  a  bheir  na  feallsanaich 
am  measg  nam  boirionnach  dhuit  gu  bheil  iad 
leth-i-iiisgte,  agus  nach  'eil  anns  na  gibeanan 
beaga  a  tha  iad  a'  gleidheadh  orra  ach  stiallan 
tana  mar  gu'm  biodh  breid  anns  am  biodh 
banarach  a'  sioladh  bainne.  Ach  is  e  an  fhior 
aobhar  gur  toigh  leo  am  fasan,  is  tha  na 
miltean  dhiubh  nach  cuala  iomradh  riamh  air 
an  rud  ris  an  abair  na  dotairean  heliotherapy , 
agus  a  tha  ceart  coma  ged  nach  cuala. 

Coltach  ri  daoine  eile  bidh  mise  air  uairean 


8 


TURUS  A'  CHRIOSDUIDH— DLUTH  AIR  A'  CHALA 


a'  feuchainn  ri  comharraidhean  na  h-aimsir  a 
leughadh  ;  ma  chreideas  mi  na  their  na 
dotairean  tha  e  gle  choltach  gur  e  luchd  nan 
crabhatan  a  shealbhaicheas  an  talamh  air  a' 
cheann  mu  dheireadh  agus  nach  e  luchd  nan 
coilearan.  Tha  e  coltach  gu  bheil  coilearan  a' 
milleadh  eanchainnean  dhaoine  le  bhi  cumail 


na  fala  gun  dol  do'n  cheann,  agus  le  bhi  cumail 
na  greine  bho'n  amhaich.  Biodh  na  Socialists, 
ma  ta,  fo  dheagh  mhisnich  ;  tha  an  la  a'  dol 
leo  gu  reidh  samhach  ;  an  aite  farmad  a  bhi 
aig  a'  chrabhait  ris  a'  choileir,  bhiodh  e  teoma 
dhaibh  an  leoir  choilearan  a  thoirt  do  na  Tories 
a  nasffaidh. 


Turus  a'  Chriosduidh 


rilHA  an  leabhar  ionmhuinn  agus  ainmeil 
Jl  so  air  a  thighinn  a  mach  agus  e  air  a  chur 
an  Gaidhlig  as  iir  le  Calum  MacGhillinnein, 
D.D.  an  Dun-eideann.  Tha  sin  fhein  'na  urras 
gu  bheil  a'  Ghaidhlig  ann  ceairt  agus  blasd, 
agus  gu  bheil  fior  sheadh  an  Turuis  againn  ag 
eisdeachd  ris  mar  gu'n  tigeadh  e  bho  bheul 
Iain  Buinian  fhein.  Agus  faodar  a  leughadh 
an  comhfhurtachd  seach  gu  bheil  an  clo- 
bhualadh  gai'bh  agus  soilleir  ;  agus  tha  brigh 
gach  earrainn  ann  am  beagan  fhacail  mhora  an 
oir  na  duilleig  ann  an  achlais  na  cuid  eile. 
Tha  so  'na  thaitneas  do'n  t-suil  agus  'na 
stiiiireadh  do'n  inntinn  ann  a  bhi  'ga  leughadh. 
Tha  a  rithisd  aon  fhichead  dealbh  feadh  an 
leabhair  'ga  mhineachadh  is  'ga  dheanamh 
soilleir  agus  a'  cur  loinn  air. 

Tha  sinn,  ma  tha,  fo  chomain  agus  tha  ar 
beannachd  air  ceann  nan  daoine  coire  chuir  a 
mach  e  'na  leithid  de  thrusgan  maiseach 
Gaidhealach  —  Comunn  nan  Trachdannan 
Diadhaidh  an  Lunnainn — agus  gheibhear  e  ann 
am  biiitean  luchd-reic  leabhraichean  air  son 
leth-chruin.  Tha  sin  saor  gu  leor  do  leithid  a 
leabhar — a  thaing  sin  do'n  Chomunn  uasal  a 
chuir  a  mach  e  agus  a  chaidh  gu  leithid  de 
chosdas  iad-fhein  gus  am  biodh  e  air  a'  phris 
so  againne.  Chan  'eil  luacha-peighinn  againn 
'sa  Ghaidhlig  as  fhearr,  a  mach  o  Fhacal  na 
Firinn  fhein. 

Tha  e  'na  thaiteanas  leabhar  a  bhi  ceairt  air 
a  litreachadh  agus  an  cainnt  bhlasd  eireachdail 
ann  an  doigh  na  Gaidhlige,  agus  tha  sin  againn 
an  so.  Tha  lamh  an  Doctoir  urramaich  is 
fhoghluimte  o'n  d'  thainig  e  'na  fianuis  air  an 
sin.     Ach  tha  brigh  na  diadhachd  agus  misneach 


an  t-soisgeil  againn  'san  leabhar  iomraiteach  so 
cuideachd.  Gu  dearbh  tha  ni-eigin  ann  leth- 
choltach  ris  mar  dh'  iarradh  an  Gaidheal — 
fearachas  is  saothair  air  slighe  nan  gras,  samhla 
is  sealladh  faicsinneach  air  na  nithibh  nach 
fhaicear  ;  geur-rannsachadh  air  comhalaichean 
is  tuiteamas  an  turuis  ;  agus  aoibhneas  graidh 
a'  taladh  a'  chi-iosduidh  air  adhairt.  Thug  mar 
sin  na  Gaidheil  di-beatha  dha  'nuair  a  fhuair 
iad  an  toiseach  e  'n  an  canain  fhein  bho  laimh 
an  duine  bheannaichte  Padruig  MacPharlain. 
Bha  sin  sa  bhliadhna  1812.  Chaidh  a  chlo- 
bhualadh  tri  uairean  o'n  uair  sin.  Agus  chuir 
an  t-ollamh  MacGillebhra  a  mach  e  cuideachd 
'sa  bhliadhna  1865  ann  am  meudachd  Biobuill 
mor  ciibaid.  Ach  tha  iad  sin  a  mach  as  a'  chlo 
agus  duihch  am  faotainn,  agus  mar  sin  cuiridh 
sinn  an  tuilleadh  failte  air  a  nis  agus  e  mar  a 
dh'iarradh  sinn  e  'na  dhealbh  is  na  dhreach, 
freagarrach  air  son  ar  pocaid  gu  bhi  'na  chom- 
panach  againn  an  taobh  an  teine  no  air  leathad 
a'  chnuic. 

Tha  "  Turus  a'  Chriosduidh  "  'na  eolas  is  'na 
thlachd  do  na  h-uile  a  leughas  e.  Bheir  e 
misneachd  is  meadhon  meorachaidh  do'n  t- 
seann  chriosduidh,  aithne  is  gliocas  air  crioch 
araidh  an  duine  do  na  h-uile — sean  is  6g.  Gu 
dearbh  chan  aithne  dhuinn  leabhar  a  b'  fhearr 
leinn  a  bhi  an  laimh  na  h-6igridh  air  a'  Ghai- 
dhealtachd  na  an  leabhar  so.  Ma  ghabhas  iad 
ar  comhairle-ne  ceannaichidh  iad  e  agus  aon 
uair  is  gu  faic  iad  e  cha  bhi  an  siiil  an  deidh  an 
leth-chruin.  Bidh  buannachd  is  beannachd  aig 
an  inntinn's  an  anam  dheth  fhad  's  as  beo  iad. 

Calum  Mac  Leo  id. 


Dluth  air  a'  Chala 


(Air  a  thionndadh  o'n  Bheurla  leis  an  Urramach  Gilleasbuig  Domhnullach,  D.D., 

A  BHA  AN    CiLL-TaRLAGAIn). 


REUL  feasgair  's  luidhe  grein 
Is  aon  ghairm  ghlan  bho  'n  aird, 
'S  na  cluinntear  gair  nan  oitir-thonn  leam  fein 

'N  uair  theid  mi  mach  air  sail  ; 
Ach  seimh  sheol-mara  sithchail  mar  aig  clos. 

Gun  chobhar  no  gun  f  huaim  ; 
'Nuair  ni  e  triall  gu  ciiiin  bho  chuairt  a  bhos 
Gu  dhachaidh  bhuan. 


Clag  feasgair  's  dubhar  speur 

'S  an  oidhche  tuiteam  balbh  ; 
'S  na  cluinntear  dubhachas  a  bhroin  leam  fein 

Aig  am  dhomh  falbh, 
Oir,  ged  a  ghiulaineas  an  sruth  mi  null 

Thar  crich  mo  roid  's  mo  la, 
M'  Fhear-iuil  gu  faic  mi  fhathast  gnbis  ri  guuis 

An  cala  caomh  an  aigh. 


Air  6 


193 


o 


Saccheus 


SGEULA  iongantach  air  gras  :  dh'iarr  e, 
chunnaic  e,  chaidh  a  ghlacadh.  Is  maith  a 
bhi  ag  iarraidh  ach  tha  nithean  ann  as  mo  *ia 
bhi  ag  iarraidh  :  is  e  sin  an  t-aobhar  air  a  bhi 
ag  iarraidh,  agus  an  cuspair  a  tha  neach  ag  iar- 
raidh. Chan  'eil  sinn  gle  chinnteach  ciod  a 
ghluais  Saccheus  a  dhol  ach  am  faiceadh  e  an 
Tighearna  losa  :  is  e  ni  as  mo  agus  as  fhearr 
gun  deach  e  air  a'  cheann-turuis.  Rainig  e 
agus  an  uair  a  thog  e  suas  a  shuilean  chunnaice 
solus  an  siiilean  losa  a  thug  dha  sealladh  air  a 
chridhe  fhein  agus  air  a  thruaighe  ;  sealladh 
cuideachd  air  cridhe  graidh  an  t-Slanuighir 
Ian  grais  agus  firinn,  agus  o'n  uair  sin  bha  e  air 
a  ghlacadh  an  cumhachd  a'  ghraidh  nach  treig 
's  nach  caochail.  Ach  b'e  sud  glacadh  nam 
beannachd  dhasan — anns  a'  ghlacadh  ud  fhuair 
e  rioghachd  agus  fhuair  e  saorsa  anam  a  choisinn 
air  ais  dha  coir  is  seilbh  an  teaghlach  Abraham. 

1.  An  la  an  de. 

Choisrig  a  pharantan  e  bhi  beo  beatha  ghlan, 
ach  reic  esan  e  fhein  air  or.  Cha  do  smaoinich 
e  aon  uair,  no  ma  smaoinich  cha  d'  thug  e 
moran  speis  do'n  smaoin,  an  ann  air  son  or 
glan  a  reic  e  e  fhein.  Chuir  e  doimheadas  air 
a  pharantan  a  dh'aindeon  an  tirnuighean  diirach- 
dach.  Shoirbhich  leis  'n  a  rim  fhein  is  e  cho 
sanntach  cho  an-iochdmhor  cho  neo-maitheach. 
Am  briathran  losa  cha  robh  ann  ach  larach. 
Bu  mhiann  leis  an  truagh  so  losa  f  haicinn.  Cha 
robh  anns  a'  mhiann  sin  ach  silean  beag.  Ach 
am  foghar  beannaichte,  c6  as  urrainn  iomradh 
iomchuidh  dheanamh  air  a  mhaitheas  agus  air 
a  mheud  ?  Thoir  an  aire  nach  dean  thu  tair  no 
dearmad  air  a'  mhiann  a  tha  'g  a  do  tharruing 
a  dh'ionnsaigh  losa,  air  cho  fann  's  gum  faod  e 
bhi.  Faodaidh  am  miann  a  bhi  fann  ach  cuimh- 
nich  gur  ann  gu  losa  tha  e  'g  ad  tharruing  is 
chan  'eil  ni  air  an  t-saoghal  as  fhear  na  gun 
coinnicheadh  tu  fhein  agus  losa  a  cheile. 
Bhiodh  e  'n  a  la  aoibhnis  do  d'anam  agus  'na 
la  gloire  do  losa  Criosd. 

2.  An  la  an  diugh. 

Ghlacadh  Saccheus  anns  a'  mhiann  so  agus 
cha  bu  luaithe  thoisich  e  air  leantainn  a  mhiann 
na  bha  e  air  a  chur  ann  an  dragh  dhe  gach 
seorsa  :  dragh  dhe  thaobh  fhein.  Bha  e  beag 
'n  a  phearsa.  Cha  be  sin  a  choire-san  ged  be 
chall  e  aig  a'  cheart  am  ud.  Ged  bha  mhiann 
gu  maith  ciod  e  mhaith  a  bha  am  miann  nach 
coisinneadh  dha  ach  doimheadas  agus  sin  cha 
b'ann  le  choire  fhein  no  le  coire  chaich.    Bha  e 


beag  'n  a  phearsa.  Ach  a  thuilleadh  air  an  sin 
cha  b'fhiach  an  cliii  a  bha  aige.  Thug  an  obair 
as  an  robh  e  toirt  a  bheoshlaint  a  chliii  dheth. 
B'fhear-brath  a  luchd-duthcha  e.  Bu  duine  e 
a  bha  toirt  a  mach  a  bhuannachd  a  deoir  is 
anacothrom  nam  bochd,  bantraichean  agus  dil- 
leachdain  gun  bhi  tighinn  air  an  an-iochd  leis 
an  robh  e  togail  cis  choimhich  o  dhaoine  eile. 
Tha  an  comhnaidh  rud  eigin  a  bhuineas  do 
phearsa  no  a  dh'inntinn  ;  rud  eigin  a  tha  ag 
agairt  lethsgeul  no  ag  agairt  peanais  a' 
seasamh  eadar  an  t-anam  grasmhor  agus 
Fear-saoraidh. 

Bha  an  dragh  ud  aige  a  thaobh  a  phearsa 
fhein.  Tha  dragh  eile  aige  a  thaobh  an  t-sluaigh. 
Tha  an  sluagh  an  comhnaidh  anns  an  rathad  air 
neach  a  tha  ag  iarraidh  na  slighe  gu  Criosd. 
Faodaidh  daoine  bhi  air  am  mealladh  a  thaobh 
cliu  an  t-sluaigh  sin  ach  tha  e  'n  a  chilis 
smaoinich  co  dhiubh  gu  faod  daoine  a  tha  air 
an  ainmeachadh  air  Criosd  a  bhi  'n  an  arras- 
bacain  eadar  Criosd  agus  cuid  a  tha  fo  chiiram 
is  ag  iarraidh  losa  f  haicinn.  Ach  chan  e  mhain 
cuid  a  tha  air  an  ainmeachadh  air  Criosd  a 
dh'fhaodas  a  bhi  mar  sin  ach  sluagh  mor  a  tha 
'g  an  dumhlachadh  fhein  timchioll  air.  Cha 
ghabh  iad  fhein  ris  is  cha  leig  iad  le  daoine  eile 
gabhail  ris.  B'e  sin  an  cas  anns  an  robh 
Saccheus  anns  a'  cheud  toiseachadh. 

Ach  is  ann  a  chum  a  bhi  air  an  cur  fo  cheann- 
sail  a  tha  eiginean  mar  sud  as  an  rathad  air 
neach  air  bith.  Fhuair  Saccheus  buaidh  an 
doigh  a  bha  air  leth  simplidh  agus  nadurach. 
Rinn  e  direach  mar  nach  biodh  aige  ach  a  chiall 
nadurach  a  chleachdach.  Ghabh  e  beachd  air 
an  rathad  a  bha  losa  agus  an  sluagh  a'  gabhail. 
Chunnaic  e  a'  chraobh  shicamore  is  a  geugan 
a'  sgaoileadh  a  mach  os  cionn  an  rothaid  a  bha 
iad  a'  gabhail  agus  rinn  e  suas  inntinn  air  ball 
nach  robh  aite  air  an  astar  a  b 'fhearr  na  sonnag 
an  glaic  te  dhe  na  geugan  ud  chum  sealladh 
maith  fhaighinn  air  losa.  Mar  sin  ged  a  bha  a 
lurga  goirid  bha  a'chas  luath.  Bu  leor  sin.  Thug 
e  na  biiinn  as  air  thoiseach  air  an  treud  agus  ma 
bha  an  anail  'san  uchd  a  ruighinn  na  craoibh 
shicomoir  bha  e  air  anail  a  leigeil  an  glaic 
gairdein  na  craoibhe  mun  do  rainig  an  sluagh  is 
losa  'n  am  meadhon,  direach  fo'n  gheig  air  an 
robh  e  'n  a  shuidhe  ;  Chan  'eil  teagamh  nach 
robh  e  moladh  Dhe  air  son  cho  goireasach  's 
a  bha  a'  chraobh  shicomor  dhasan  an  la  ud. 
Tha  sgeula  bhreagha  am  measg  a  nan  ludhach 
ffun  robh  e  'n  a  chleachdadh  aiff  Saccheus  gus 


2 


SACCHEUS— PHILIP  AN  SOISGEULAICHE 


an  robh  e  'n  a  fhior  sheann  duine  a  bhi  dol  a 
h-uile  madainn  le  soitheach  uisge  agus  'g  a 
dhoirteadh  aig  bun  na  craoibh  shiconior  ud. 
Tha  an  sicomor  ud  ann  fhathast  a'  dheanamh 
cobhair  air  gach  Saccheus  bochd  miannach  leis 
'm  bu  nihaith  losa  fhaicinn. 

3.  Tha  tri  nithean  sonruichte  a'  togail  ceann 
anns  an  t-slainte  mhor  a  rainig  air  Saccheus  an 
uair  ud.  Tha  an  toiseach  losa  'n  a  aonar.  Sheall 
esan  suas  agrus  chunnaic  agus  chuala  e.  Cha 
ruigeadh  Saccheus  a  leas  labhairt.  Bha  mar  a 
bha  e  'n  a  ghurraban  an  achlais  na  craoibhe 
a'  sealltainn  do  losa  mac  le  Abraham  agus 
craoibhean  an  t-saoghail  agus  an  droch  spioraid 
a  an  sas  ann  's  'g  a  sgrios.  Fhuair  Saccheus 
barrachd  air  a  mhiann  gun  dhol  na  b'fhaide. 
Tha  rithisd  Saccheus  'n  a  aonar.  Rinn  e  cabhag 
agrus  chrom  e  as  a'  chraoibh.    Ayus  abair  thusa 


aoibhneas.  Chan  fhaod  mi  radh  c6  air  bu  mho 
bha  dh'aoibhneas,  ach  ma  bheir  mi  mo  bheachd 
cha  chuir  mi  seachad  air  losa  e.  Bha  an  t-aoibh- 
neas  agus  a'  chabhag  ann  comhla,  oir  cho  cinn- 
teach  's  a  bha  miann  ag  ithe  Shaccheuis  bha 
cheirt  mhiann  ann  an  losa  a  dh'ionnsaigh 
Shaccheus.  An  uair  a  choinnich  iad  rinn  iad 
gairdeachas  'n  a  cheile  le  gairdeachas  a  chaidh 
thar  labhairt  agus  a  bha  Ian  de  ghloir. 

Tha  rithisd  losa  agus  Saccheus  le  cheile.  Bha 
fear  dhiubh  ann  am  banndaibh  a  ghraidh — an  e 
fear  ach  an  dithis  ?  Ciamar  a  b'urrainn  an 
dithis  ud  a  thighinn  gu  cheile  gun  tuiteam  an 
gaol  a  cheile,  agus  a  dhol  a  steach  an  cumhnant 
beo  an  aoibhnis  is  a  ghrais  ?  Rinn  an  gradh  ud 
a'  mhiorbhuil  nach  deacha  fhathast  a  cuimhne — 
Choisrig  e  Saccheus  gu  bhi  beo  beatha  nuadh 
— beatha  ag-us  Criosd  'n  a  teis  meadhon. 


Philip  an  Soisgeulaiche 

Gnmmharan  nan  Ahstol,  viii. 


THA    da    dhuine    de'n    ainm    Philip    air    an 
ainmeachadh    anns    an    Tiomnadh    Nuadh, 

(1)  Philip  an  t-abstol 

(2)  Philip  an  soisgeulaiche 

An  uair  a  rinn  na  h-Iudhaich  Ghreugach 
gearan  gu  robh  dearmad  air  a  dheanamh  air  am 
bantraichean  anns  an  fhrithealadh  laitheil 
chomhairlich  na  h-abstoil  do  na  braithrean  eile 
seachdnar  dhaoine  a  thaghadh,  fo  dheagh 
theisteas,  Ian  de'n  Spiorad  agus  de  ghliocas,  a 
chuireadh  iad  os  cionn  a'  ghnothuich.  B'e 
Philip  fear  de'n  t-seachdnar  so,  agus  maille  ri 
Stephen  is  each  choimhlion  e  an  dleasdanas  a 
leag  an  eaglais  air.  Ach  aig  bas  Stephein,  a 
thaobh  na  geur-leanmhuinn  a  rinneadh  orra 
ann  an  Jerusalem,  b'  fheudar  dhaibh  teicheadh 
as  a'  bhaile.  Chaidh  Philip  sios  do  Shamaria, 
far  an  do  thoisich  e  air  obair  a  bha  na  bu 
bhuannachdaile  do'n  eaglais  na  frithealadh  do 
bhiiird.  An  uair  a  dhunadh  aon  dorus  air 
dh'  f  hosgail  dorus  eile  roimhe.  Ann  an  Samaria 
cha  robh  feum  air  deacon,  ach  bha  feum  mor 
air  soisgeulaiche,  agus  thoisich  Philip  air 
Criosd  a  shearmonachadh  dhaibh.  Bha  talannan 
sonraichte  aige  air  son  sin  a  dheanamh,  oir 
chan  e  mhain  gu  robh  e  'n  a  dhuine  a  bha  Ian 
de  chreideamh  agus  de'n  Spiorad  Naomh  ach 
bha  e  mar  an  ceudna  'n  a  dhuine  a  bha  farsuing 
anns  an  inntinn,  gun  dad  de  chumhannachd 
nan  ludhach  ann.  Dh'  fhosgail  e  dorus  na 
h-eaglais  Chriosduidh  do  na  cinnich. 

An  uair  a  chaidh  e  sios  do  Shamaria,  bha  an 
sluagh  fo  spogan  droch  dhuine  d'  am  b'ainm 
Simon  Magus,  duine  a  ghnathaich  druidh- 
eachd  agus  a  chuir  uamhunn  orra.  B'  ion 
do'n  t-soisgeulaiche  eagal  a  bhi  air  a  ghuth  a 


thogail  ann  am  baile  anns  an  robh  righ-chaithir 
Shatain,  ach  an  ni  a  tha  eu-comasach  do  dhuine 
tha  e  comasach  do  Dhia,  agus  thionndaidh  Dia 
cridheachan  nan  Samaritanacho  Shimon  Magus 
gu  Criosd.  Thiiirling  an  Spiorad  Naomh  ann 
an  cois  searmonachadh  an  fhacail,  agus  bha 
dusgadh  mor  ann  an  Samaria,  oir  tha  sinn  a' 
leughadh  "  an  uair  a  chreid  iad  Philip,  a' 
seai-monachadh  mu  rioghachd  Dhe,  agus  mu 
ainm  losa  Criosd,  bhaisteadh  iad  eadar  fhir 
agus  mhnathan."  Tha  e  air  a  i-adh  gu'n  do 
chreid  Simon  Magus  fein  cuideachd,  ach  d'a 
thaobh-san  feumar  a  radh  gu'n  do  thuit  an  siol 
maith  am  measg  droighinn.  An  car  a  tha  anns 
an  t-sean  mhaide  is  duilich  a  thoirt  as  ;  tha  e 
coltach  nach  robh  meas  aig  Simon  air  diadhaidh- 
eachd  ach  air  ghaol  buannachd.  "  Rachadh 
d'airgiod  am  mughadh  maille  riut,"  arsa  Peadar 
ris,  "  a  chionn  gu'n  do  mheas  thu  gu'm  faod- 
tadh  tiodhlac  Dhe  a  cheannach  le  airgiod ; 
chan  'eil  cuid  no  crannchur  agad  anns  a'  chilis 
so  :  oir  chan  'eil  do  chridhe  ceart  am  fianuis 
Dhe  ;  gabh  aithreachas  uime  sin  agus  guidh 
air  an  Tighearna,  a  dh'  f  heuchainn  am  maithear 
smuain  do  chridhe  dhuit,  oir  tha  mi  a'  faicinn  gu 
bheil  thu  ann  an  domblas  na  seirbhe,  agus  fo 
chuibhreach  na  h-eucorach." 

Tha  sinn  an  diiil  nach  'eil  solas  air  an  t-saoghal 
cho  mor  ri  gairdeachas  an  t-soisgeulaiche,  an 
uair  a  bheir  Dia  dha  moran  anamanna  mar 
thuarasdal.  Lionar  a  bheul  le  gaire  agus  a 
theangadh  le  ceol,  an  uair  a  chrunas  Dia  a 
shaothair  le  bheannachd.  Bha  an  solas  so  aig 
Philip  ann  an  Samaria,  ach  an  uair  a  bha  a 
chupan  Ian  labhair  aingeal  an  Tighearna  ris, 
ag  radh,  "  Eirich  agus  imich  mu  dheas,  a  chum 
na  slighe   a  tha   a'   dol  sios   o    Jerusalem   do 


PHILIP  AN  SOISGEULAICHE— FAOISID  DUINE  LE  DIA 


3 


Ghasa,  a  tha  'na  fhasach."  Cha  d'  innis  an 
t-aingeal  dha  car  son  a  bha  e  air  a  ghairm  air 
falbh  o  Shamaria,  agus  chan  'eil  teagamh  nach 
b'  fhearr  leis  fantuinn  aig  an  obair  a  bha  a' 
soirbheachadh  leis  cho  maith  seach  dol  a  mach 
do'n  fhasach,  gun  fhios  c'aite  an  robh  e  a'  dol. 
Ach  ged  nach  bu  leir  dha  na  bha  air  thoiseach 
air  thug  e  iimhlachd  do  fhacal  an  Tighearna 
agus  dh'  fhalbh  e.  Is  fearr  le  Dia  timhlachd 
na  iobairt,  agus  an  deidh  laimhe  bha  e  'n  a 
aobhar  taingealachd  do  Philip  gu'n  d'  thug  e 
geill  do'n  fhacal  a  chuir  Dia  'n  a  chridhe.  Oir 
chunnaic  e  gu'n  do  chuir  Dia  air  thurus  son- 
raichte  e  do  Ghasa. 

Na  ceudan  bliadhna  m'  an  do  thachair  Philip 
agus  an  caillteanach  o  Etiopia  air  a  cheile 
thubhairt  an  Salmadair,  a'  labhairt  ann  an 
spiorad  na  faidheadaireachd,  "  Sinidh  Etiopia 
a  mach  a  lamhan  ri  Dia,"  agus  a  nis  bha  am 
facal  sin  air  a  choimhlionadh  gu  litireil.  Cha 
bu  tuiteamas  e  gu'n  do  choinnich  an  dithis  so 
an  la  ud  ;  bha  e  uile  air  orduchadh  ann  am 
freasdal  Dhe.  Cha  d'  iarr  anam  riamh  Dia  ann 
an  diomhanas  ;  agus  mar  f hreagairt  do  iirnuigh- 
ean  an  Etiopianaich  chuir  e  a  sheirbhiseach  a 
theagasg  na  slighe  dha  gu  Criosd.  An  uair  a 
thoisicheas  daoine  air  facal  an  Tighearna  a 
smeurachadh,  ag  iarraidh  aran  na  beatha  ann, 
faodar  a  radh  nach  'eil  iad  fada  o  rioghachd 
Dhe,  oir  bheir  fosgladh  a  bhriathar  solus 
dhaibh. 

"  Thugadh  e  mar  rhaora  chum  marbhaidh ; 
Agus   mar    uan   a  tha    balbh    am    fianuis    an 

fhir-Iomairt, 
Mar  sin  cha'n  fhosgail  e  a  bheul." 

B'iad  sin  na  briathran  a  bha  ann  am  beul  an 
Etiopianaich,  agus  an  carbad  a'  dol  seachad  air 
Philip.  Anns  a'  mhionaid  thuig  Philip  car  son 
a  dh'  iarr  aingeal  an  Tighearna  air  dol  do'n 
fhasach.  Dh'  fhosgail  e  a  bheul,  agus  a' 
toiseachadh  o'n  sgriobtur  so,  shearmonaich  e 
losa  dha.  Ach  cha  ruigear  a  leas  an  corr  de'n 
naigheachd  innseadh.     An  Dia  a  dh'  iarr  air 


Philip  an  carbad  a  leantuinn,  thug  e  dha  mar 
an  ceudna  beul  is  gliocas  air  chor  agus  m'an 
deachaidh  iad  fada  air  an  t-slighe  gvi'n  do 
chreid  an  t-Etiopianach  ann  an  losa  Criosd. 
"  Agus  dh'  imich  e  air  a  shlighe  le  gairdeachas." 
An  uair  a  thig  Criosd  do'n  anam  is  aoibhneach 
daonnan  a  theachd.  Cuiridh  e  solas  anns  a' 
chridhe  is  oran  nuadh  anns  a'  bheul.  Tha  a' 
cheart  fhacal  a  tha  air  a  radh  mu'n  Etiopianach 
air  a  radh  mu  na  Samaritanaich  d'  an  do  shear- 
monaich Philip  an  toiseach,  "  Agus  bha  gair- 
deachas mor  anns  a'  bhaile  sin."  Tha  an 
soisgeul  an  ni  ceudna  an  de  agus  an  diugh  agus 
gu  siorruidh  ;  anns  gach  aite  is  anns  gach  am 
anns  an  searmonaichear  e  tha  e  'n  a  sgeul 
aoibhneach,  agus  do  bhrigh  gu  bheil  tart  ann 
an  anam  mhic  an  duine  an  geall  air  an  Dia 
bheo,  faodaidh  an  soisgeulaiche  a  bhi  cinnteach 
gu'm  faigh  e  eisdeachd  air  sgath  a  theach- 
daireachd  ma  liubhras  e  i  gu  reidh  simplidh, 
agus  gu'n  abair  nighean  Shioin  a  tha  fathast  fo 
dhaorsa,  "  Cia  maiseach  air  na  sleibhtean  casan 
an  ti  a  tha  tabhairt  deaerh  sp'eil,  a  tha  cur  an 
ceill  sithe,  a  tha  tabhairt  deagh  sgeil  air  maith, 
a  tha  cur  an  ceill  slainte,  a  tha  ag  radh  ri  Sion, 
Tha  do  Dhia  'n  a  righ  !  " 

B'  airidh  Philip  air  an  ainm  a  thugadh  dha 
anns  an  eaglais,  an  soisgeulaiche  (Gniomharan, 
xxi.  8),  oir  an  deidh  dha  Samaria  f hagail chaidh  e 
gu  Asotus  :  agus  a'  dol  troimh  na  bailtean  uile 
shearmonaich  e  an  soisgeul  dhaibh  gus  an 
tainig  e  do  Chesarea.  Ann  an  Cesarea  thachair 
e  fein  agus  Pol  air  a  cheile,  dithis  a  bha  a  dh' 
aon  inntinn.  Bha  Philip  cho  sona  'na  theagh- 
lach  's  a  bha  e  'na  obair  ;  choisinn  e  a  chlann 
fein  do  Chriosd  cho  mhaith  's  a  choisinn  e  na 
cinnich — rud  nach  urrainn  iomadh  searmonaiche 
eile  a  radh — oir  tha  sinn  a'  leughadh  gu  robh 
a  chreathrar  nighean  ri  faidheadaireachd 
(Gniomharan,  xxi.  9)- 

Bitheadhfhios  agaibk,  an  duine  a  dh'  iompaicheas 
peacach  o  sheachran  a  shlighe,  gii'n  saor  e  anam 
o'n  hhds,  agus  giCmfolaich  e  moran  pheacaidhean. 


Faoisid  duine  le  Dia 


BHA  mi  fichead  bliadhna  a  dh'aois  an  uair 
a  thainig  mi  do  Dhun-Breatunn,  aite  anns 
nach  robh  sochairean  an  deagh  chomuinn  a  bha 
agam  ann  an  Cipen,  agus  a  thaobh  nach  robh 
freumh  na  ciiise  annam  fein  bha  mi  gu  soirbh 
air  mo  thoirt  a  thaobh  le  mo  chompanaich  iira 
chum  misge,  agus  an  uair  a  threigeadh  mo 
reusan  mi  thoisichinn  air  mionnan,  ni  air  son 
an  gabhainn  mor  aithreachas  an  uair  a  thiginn 
thugam  fein,  agus  thoisichinn  air  mo  sheann 
ghnaths  as  iir;  is  e  sin,  a'  dol  fo  bhoidean,  ach 
cha  bu  luaithe  a  cheanglainn  iad  na  bhrisinn 
iad.    Fa  dheoidh  thuit  mo  thogail  a  bha  air  a 


deanamh  suas  de  chre  gun  oibreachadh,  chan 
ann  a  dh'aon  tuiteam,  ach  a  lion  cuid  is  cuid, 
bho  cheum  gu  ceum,  gus  fa  dheoidh  an  d'  fhuair 
mi  mi-fein  air  sioladh  ann  an  lathach  a' 
pheacaidh,  agus  rinn  mi  co-chomunn  ris  a' 
chuid  eile  de  mo  chompanaich  'n  an  gniomharan 
ifrinneach. 

Air  dhomh  a  bhi  aon  latha  a'  gabhail  an 
aile  feadh  nan  cluan  thainig  an  sgriobtur  so  le 
caismeachd  uamhasach  a  dh'  ionnsuidh  mo 
choguis,  "  Ach  air  do'n  spiorad  neoghlan  dol  a 
mach  a  duine,  theid  e  troimh  ionadan  tiorma, 
ag  iarraidh  foise,  agus  chan  fhaigh  e  i.    An  sirt 


FAOISID   DUINE   LE   DIA 


their  e,  Pillidh  mi  do  mo  thigh  as  an  tainig 
mi  mach  ;  agus  air  dha  teachd,  gheibh  e 
falamh  e,  sguabta  agus  uidhimichte.  An  sin 
theid  e  agus  bheir  e  leis  seachd  spioradan  eile 
as  miosa  na  e  fein,  agus  theid  iad  a  steach  agus 
gabhaidh  iad  comhnuidh  an  sin  ;  agus  bithidh 
staid  dheireannach  an  duine  sin  na's  miosa  na 
a  cheud  staid "  {Mata  xii.  43-45).  O,  mar 
chaidh  so  mar  sgian  a  dh'  ionnsuidh  mo  chridhe  ! 
Chuir  e  ann  am  pian-bhron  mi  a  bhi  smuain- 
eachadh  gu'n  do  threig  Dia  mi  agus  gu'n  d' 
fhas  mi  ann  am  ionad-chomhnuidh  dheamhan. 
"  Mallaichte,"  arsa  mise,  "  gu  robh  an  latha 
anns  an  deachaidh  mi  air  seacharan  o  Dhia! 
O,  mallaichte  gu  robh  an  latha  anns  an  do 
choinnich  mi  na  companaich  thruaillidh  so  !  " 
Bha  mi  'n  a  leithid  de  staid  is  gu'n  spionainn 
m'  fhalt  agus  gu'n  reubainn  m'fheoil.  Tha  e 
eu-comasach  dhomh  aithris  an  t-uamhas  do- 
labhairt  leis  an  robh  m'anam  air  a  lionadh  ; 
bha  mi  ag  amharc  orm  fein  mar  dhuine  air  a 
threigsinn  gu  tur  le  Dia,  agus  gun  dochas  sam 
bith  eile  ach  ag  amharc  a  miach  air  son  na 
corruich  eagalaich  sin  a  shluigeas  suas  uile 
naimhdean  Dhe. 

An  deidh  sin  bha  mi  greis  de  m'  aimsir  fo 
leann-dubh  air  chor  is  nach  tugadh  ni  air  bith 
solas  domh,  ach  fa  dheoidh  thoisich  mi  air 
smuaineachadh  ciod  a  b'  fhearr  dhomh  a 
dheanamh  ;  chunnaic  mi  gu'n  do  chaill  mi 
neamh,  agus  nach  robh  neamh  eile  ann  a 
gheibhinn,  mur  deanainn  neamh  dhomh  fein 
air  an  talamh.  Uime  sin  thoisich  mi  air  togail 
suas  mo  spioraid  agus  air  gabhail  mo  shath  de 
thoil-inntinnean  peacach,  am  feadh  's  a  dh' 
fhaodainn  am  mealtainn.  An  sin  bha  uile 
bhannta  grais  air  am  briseadh  agus  chaidh  mi 
air  m'  aghaidh  anns  gach  seorsa  peacaidh  le 
ciocras.  Dh'  fhas  mi  mar  asail  fhiadhaich  anns 
an  fhasach  agus  ghnathaich  mi  gach  meadhon 
a  chum  mo  choguis  fhulasgadh  gu  suain,  ni 
nach  b'  urrainn  mi  a  dheanamh.  B'e  cuideachd 
chridheil,  shuilbhear,  ioc-shlaint  a  b'  fhearr  a 
b'  urrainn  mi  fhaotainn  a  chum  furtachd  air 
mo  dhoruinn,  ni  a  thug  orm  ruith  a  dh'  ionn- 
suidh cuideachd  gach  uair  a  gheibhinn  cothrom 
air  sin  a  dheanamh,  agus  a  thaobh  nach 
b'urrainn  mi  a  bhi  do  ghnath  am  measg  cui- 
deachd, a  chum  m'inntinn  a  chumail  suas  an 
uair  a  bhithinn  leam  fein  dh'  ionnsaich  mi  air 
mo  mheomhair  gach  duan  agus  oran  a  b'urrainn 
mi  fhaotainn,  ni  nach  robh  ach  'n  a  dhroch 
leigheas  air  coguis  leointe  agus  thruaillidh.  A 
dh'  aindeoin  gach  ni  a  rinn  mi  cha  d'  fhuair  mi 
suaimhneas. 

An  sin  shaoil  mi  na'n  dearbhainn  orm  fein 
nach  robh  Dia  ann  gu'm  faighinn  fois  ann  am 
inntinn,  ach  cha  b'  urrainn  mi  m'  inntinn  a 
shaoradh  o'n  bharail  gu  robh  Dia  ann.  B'e 
m'  fhior  dhiirachd  nach  bitheadh,  ach  cha 
b'  urrainn  mi  an  t-uamhas  a  bha  orm  roimh  a 


chorruich  a  chur  air  di-chuimhne,  agus  ann  am^ 
meadhon  mo  shubhachais,  an  uair  a  bheirinn 
oidhirp  air  gach  uile  smuain  mu  Dhia  agus  mu 
shiorruidheachd  a  chur  bhuam  thigeadh  lan- 
dearbhadh  laidir  gu  m'  aigne  gu  robh  Dia  ann, 
agus  staid  thruagh  shiorruidh  air  a  h-uUachadh 
do  gach  peacach  neo-aithreach.  "  Thubhairt 
an  t-amadan  'n  a  chridhe,  chan  'eil  Dia  ann  " 
{Salm  xiv.  1). 

Air  dhomh  a  bhi  aon  latha  ann  an  coille  a 
bha  dltith  do  laimh,  agus  mo  smuaintean  gu 
trom  air  luasgan,  a'  cnuasachd  mu  thimchioll 
bith  Dhe,  thoisich  mi  air  amharc  air  na  luibhean 
a  bha  fas  mu'n  cuairt  orm,  agus  thug  mi 
fainear  connbhall  iongantach  'n  an  cumadh 
agus  'n  an  dealbh.  Air  dhomh  cuid  diubh  a 
bhuainn  agus  an  sgrudadh  gu  mion  chunnaic 
mi  CO  liugha  meur  a  bha  fas  bho  chuiseig  gach 
aoin  diubh,  agus  gach  aon  niheur  uidhe  shon- 
raichte  bho  cheile,  ann  an  ordugh  cho  eagarra 
is  nach  b'  urrainn  mi  eadai'-dhealachadh  a  chur 
eadar  taobh  seach  taobh  dhiubh.  A  ris  thug 
mi  fainear  gach  caochladh  eun  agus  ainmhidh, 
agus  mar  bha  teachd-an-tir  air  a  sholar  do 
gach  aon  diubh,  agus  iad  gu  leir  air  an  crutha- 
chadh  a  chum  an  crich  araidh  fein.  An  sin  dh' 
fhebraich  mi  dhiom  fein  ciamar  a  thachair  so  ? 
Ach  cha  b'  urrainn  mi  innseadh,  mur  b'  ann  le 
cumhachd  agus  gliocas  a'  Chruith-fhir.  Agus 
mar  so,  an  uair  a  bheachdaich  mi  air  obair  a' 
chruthachaidh  agus  an  fhreasdail,  bha  m' 
inntinn  ann  an  rud-eigin  de  mhodh  air  a 
socruchadh  anns  a'  bheachd  gu  robh  Dia  ann, 
agus  a'  freasdal  d'a  uile  chreutairean. 

Latha  eile  air  dhomh  a  bhi  falbh  air  feadh 
nan  raon  fhuair  mi  claigeann  eich  'n  a  luidhe 
air  an  talamh,  air  fas  geal  le  sion  an  adhair,  air 
chor  is  gu  robh  gach  amladh  a  bha  'g  a  chumail 
ri  cheile  gu  soilleir  ri  fhaicinn.  Air  dhomh  a 
thogail  suas  ann  am  laimh  rannsaich  mi  gu 
mionaideach  na  h-uilt  mhiorbhuileach  leis  an 
robh  aon  mhir  dheth  air  a  thathadh  ris  a'  mhir 
eile,  maille  ris  na  liibaibh  cama  agus  ris  na 
cuir  shniomhain  a  bha  ann  mu  thimchioll  nan 
cluas  agus  nan  ciiimhnein  ;  sheall  mi  air  gach 
taobh  dheth  a  dh'fheuchainn,  am  measg  co 
liugha  amladh  agus  earrann  air  an  tathadh  ri 
cheile,  am  faicinn  eadar-dhealachadh  no  neo- 
iomlanachd  annta,  agus  an  deidh  dhomh  greis 
a  dh'  iiine  a  chaitheamh  ann  am  feuchainn 
earrann  dheth  ri  earrann  eile,  cha  b'  urrainn 
mi  an  t-eadar-dhealachadh  a  bu  lugha  fhaicinn 
eatorra,  ach  eagair  iongantach  agus  comh- 
chordadh  anns  gach  ball.  Chunnaic  mi  a  nis 
nach  b'  urrainn  aon  ni  ach  gliocas  neo-chrioch- 
nach  a  leithid  so  de  mhir-cheaird  a  dhealbh, 
agus  nach  b'  urrainn  na  bha  de  dhaoine  air 
an  t-saoghal  a  leithid  eile  a  dheanamh,  agus 
mur  b'  urrainn  iad  an  claigeann  a  dheanamh, 
cha  b'  urrainn  iad  idir  cnaimh  a  thathadh  ri 
cnaimh  agus  an  comhdach  le  feithean,  feoil. 


FAOISID   DUINE   LE   DIA— SEARMON 


agus  craicionn ;  agus  na's  lugha  na  sin  uile  gu 
leir  a  b'  urrainn  iad  anail  a  chur  ann  agus  a 
thoirt  air  gluasad  agus  imeachd  mar  a  rinn  e 
roimhe.  An  sin  chonih-dhiiin  mi  gu  cinnteach 
gu  robh  Dia  ann,  a  bha  neo-chriochnach  ann 
an  gliocas  agus  an  cumhachd,  Ti  as  e  Cruith- 
fhear  nan  uile  nithe,  agus  a  tha  riaghladh  mar 
is  aill  leis. 

An  deidh  sin  thug  mi  fainear  an  duine,  mar 
tha  an  t-urram  aige  thar  gach  creutair  eile,  gu 
sonraichte  mar  thugadh  dha  anam  reusanta,  ni 
leis  am  bheil  e  coniasach  eolas  a  chur  air  Dia 
agus  air  obair.  Uatha  so  agus  o  smuaintean 
eile  coltach  riu  fhuair  mi  lan-dearbhadh  gu 
robh  Dia  ann,  gidheadh  cha  robh  m'  inntinn 
riaraichte  mu  thimchioll  ciamar  a  bu  choir 
dhomh  aoradh  a  dheanamh  dha.  Oir  b'  ann 
mu  'n  am  so  a  thuit  mi  ann  am  buaireadh  do 
thaobh  ar  Tighearna  losa  Criosd  a  bhi  'n  a  aon 
de  phearsachaibh  na  Diadhachd,  agus  mu 
iighdarras  an  sgriobtuir,  air  chor  is  gu  robh 
gach  seoladh  a  bha  agam  o'n  Taisbeanadh  air 
fhagail  gun  tairbhe.  Lean  am  buaireadh  so 
mi  gus  an  d'  fhuair  mi  foillseachadh  Dhe  ann 
an  Criosd,  ni  a  thug  buaidh  air  na  buairidhean 
sin  agus  air  na  buairidhean  eile. 

Chaidh  mi  nis  cho  fad  air  m'  aghaidh  agus 
gu'n  d'  thug  mi  oidhirp  air  an  Sgriobtur 
fhiaradh  a  chum  mo  dhroch  ghniomharan  fein. 
fhireanachadh.  O  !  airdead  na  h-aingidheachd 
gus  an  robh  mi  a  nis  air  tighinn.  "  Is  an-aoibhin 
dhaibhsan  a  tha  tarruing  aingidheachd  le 
ctiird  an  diomhanais,  agus  peacaich  mar  le 
taodan  cartach.  Is  an-aoibhin  dhaibhsan  a 
their  maith  ri  olc,  agus  olc  ri  maith  ;  a  tha  cur 
dorchadais  an  aite  soluis,  agus  solus  an  aite 
dorchadais,  a  tha  cur  an  t-seirbh  an  aite  a 
mhilis,  agus  a  mhilis  an  aite  an  t-seirbh  " 
{Isaiah  v.  18,  20). 

Mu'n  am  so  thachair  mi  ri  fear  a  bha  air  a 
mheas  'n  a  dhuine  foghluimte  agus  dh'  fheo- 
raich  mi  dheth  ciod  a  bha  e  a'  saoilsinn  mu 
staid  shiorrruidh,  agus  mu  phiantan  ifrinn. 
Thubhairt  e  rium  nach  robh  a  leithid  sin  de  ni 
ann,  agus  thug  e  ionnsuidh  air  a  dhearbhadh 
le   iomadh    argumaid   laidir ;    gu    h-araid ,    le 


beachdachadh  air  maitheas  Dhe.  Ars'  esan, 
"  Ciamar  a  chordadh  e  ri  maitheas  Dhe  a  bhi 
pianadh  chreutairean  truagha  feadh  linntean 
na  bith-bhuantachd,  gu  sonraichte  na  cinnich 
nach  cuala  riamh  iomradh  air  a  throcair."  Air 
dhomh  an  teagasg  nuadh  so  a  chluinntinn  air 
a  chomhdach  le  cho  liugha  argumaid,  bha  mi 
gle  aoibhneach  agus  smuainich  mi  annam  fein 
gu  robh  fathast  dochas  ri  tighinn  a  ifrinn  a 
chionn  nach  robh  i  siorruidh,  ach  a  mhain  re 
seal.  O  !  an  teagasg  milis  do  gach  neach 
coltach  riumsa  nach  robh  ag  amharc  air  son  ni 
sam  bith  ach  dioghaltas  siorruidh, gu'm  faodainn 
a  nis  beagan  misnich  a  ghabhail. 

An  uair  a  dhealaich  mi  ris  an  duine  so 
thoisich  mi  air  an  teagasg  so  a  sparradh  air 
muinntir  eile,  ach  cha  chreideadh  iad  e,  agus 
gu  dearbh  cha  b'  iongantach  sin  oir  cha  do 
Ian  chreid  mi  fein  e.  B'  fhearr  learn  gu  robh  e 
fior,  ach  bha  m'  uile  iarrtusan  air  am  bruthadh 
leis  an  smuain  so,  gu  robh  Dia  ann  agus  gu'n 
d'  thubhairt  e  'n  a  fhacal  gu'm  biodh  peanas 
nan  aingidh  anns  an  t-saoghal  eile  siorruidh. 
Chuimhnich  mi  air  na  briathran  so,  "  Biodh 
Dia  fior  agus  gach  duine  'n  a  bhreugaire." 

Bha  aon  ni  eile  a  fhuair  mi  annam  fein,  ged 
tha  e  rud-eigin  iongantach  ciamar  a  b'  urrainn 
e  a  bhith,  agus  is  e  sin  nach  b'  urrainn  m 
riamh  Ian  shaorsa  fhaotainn  ann  an  cuideachd 
dhaoine  aingidh,  oir  ered  a  bha  mi  sonraichte 
air  son  uile  mi  fein  cha  b'  urrainn  mi  an  t-olc 
a  ghradhachadh  ann  am  muinntir  eile,  agus  is 
trie  a  thug  mi  achmhasan  dhaibh  air  son  iad  a 
bhi  ri  mionnan,  agus  ag  ol,  agus  ri  peacannan 
eile.  Agus  an  uair  a  thigeadh  ni  air  bith  am 
aghaidh  bhithinn  air  son  gabhail  anns  an  arm, 
ach  air  dhomh  smuaineachadh  air  caitheamh- 
beatha  an  t-saighdeir  cha  'n  fhuilingeadh  mo 
chridhe  dhomh  smuaineachadh  air  a  bhi  fad 
mo  laithean  'n  a  leithid  de  chomunn.  Smuainich 
mi  na'n  gabhainn  anns  an  t-saighdearachd 
ffu'm  biodh  gach  cothrom  air  aithreachas  caillte 
gu  siorruidh,  agus  leis  an  dochas  fhann  so  ri 
trocair  bha  mi  air  mo  chumail  o  dhol  don  arm. 

Dughall  Bocha?ia?i. 


Searmon 


"  Gradh  affus  foiffhid'nn." — Tes.  iii.  5. 


A  BHEIL  ni  eile  an  rioghachd  Dhe  a  tha  cho 
eifeachdach  is  buadhmhor  ri  gradh  agus  ri 
foighidinn. 

Tha  cliii  air  gradh  Dhe  a  tha  cur  eadar- 
dhealachadh  soilleir  eadar  e  's  a'  h-uile  gradh- 
eile. 

1.  Chan  aithne  dhuinn  cail  eile  am  measg 
dhaoine  a  tha  cho  fior  agus  cho  seasmhach  ris. 
Tha  sinn  eolach  gu  leor  air  gradh  ach  chan  'eil 
gradh  as  aithne  dhuinn  am  measg  dhaoine  ach 


an  gradh  so  nach  fhaod  a  bhi  air  a  mhealladh 
agus  daoine  bhi  air  am  mealladh  leis.  Tha  an 
gradh  so  cho  cinnteach  is  cho  seasmhach  ris  an 
Dia  a  ghin  e  is  da  'm  buin  e.  Cha  mheall 
"  beul  na  firinn."  Theid  neamh  agus  talamh 
thairis  ach  seasaidh  an  lide  as  lugha  a  thainig 
a  nach  as  a  bheulsan  gu  siorruidh.  Cha  ghradh 
e  mu  'm  faod  daoine  toiseacha  a'mion-rann- 
sachadh  gus  a  bhi  cinnteach  as  fhein  no  as  a 
ffhne.    Is  e  tha  ann  mothachadh  beo  'san  anam 


6 


SEARMON 


— ni  air  am  faigh  duine  fios  mar  a  gheibh  e  fios 
air  gradh  caraid  no  gradh  mathar.  Tha  diamh- 
aireachd  ann  agus  timchioll  air.  Faodaidh 
neach  a  bhi  an  teagamh  thimchioll  air  dha 
thaobh  fhein,  agus  gidheadh  an  leig  e  leas  a 
bhi  an  teagamh  mu  ghradh  caraide.  Tha  an 
ffradh  sin  cinnteach  g-u  leor  asus  chan  aithne 
dhuin  ma  tha  mothachadh  eile  aig  duine  a  tha 
cho  seasmhach  ris.  Tha  na  miltean  ann  a  tha 
togail  fianuis  air  am  beo-mhothachadh  air.  Bha 
na  miltean  a  thog  am  fianuis  air  a'  bhuaidh 
bheannaichte  tha  leis  agus  a  sheulaich  am  meas 
air  le  am  fuil.  B'ail  leo  a  ghradh  na  beatha  agus 
dhearbh  iad  gum  b'fhearr  dhaibh  a  choibhneas- 
graidh  na  beatha.  Tha  e  cho  fior  is  cho  seas- 
mhach is  a  tha  gealladh  Dia  Chalbhari. 

Is  ann  leis  a  rinn  Dia  eachdraidh  is  a  thuil- 
leadh  air  an  sin  a  chuir  e  cumadh  air  linn  grais 
De  agus  air  saothair  bhuadhmhor  an  t-Soisgeil. 
Fhad  's  a  mhaireas  an  gras  beannaichte  so  ruinn 
mairidh  soirbheachadh  grais  De  is  cumhachd 
glormhor  an  t-Soisgeil.  Bidh  e  cinnteach  agus 
seasmhach.  Bidh  rioghachd  a  ghrais  a'  cinneach- 
adh  agus  sgrios  a'  tighinn  air  rioghachd  Shatain. 
Bidh  cruth-atharrachadh  a'  tighinn  air  baile 
agus  sgire,  snuadh  nan  gras  a'tighinn  air  scan 
is  og.  Bidh  gradh  is  cairdeas  eadar  nabaidhean 
agus  luchd-daimh.  Bidh  sluagh  an  Tighearna 
mar  mhuinntir  air  an  d'thainig  cruth-athar- 
rachadh, agus  bidh  gradh  fior  agus  seasmhach 
agus  bidh  farmad  agus  tnii  a'  falach  an  cinn. 

2.  Is  e  an  gradh  so  an  ni  as  mo  air  an  d'fhuair 
duine  riamh  eolas.  Tha  gradh  daonna  mor  ach 
chan  'eil  amis  an  fhoillseachadh  as  arda  dheth 
ach  gathan  mlichaidh  dhe'n  ghradh  so.  Leugh 
an  sgeula  a  rinn  Pol  air  gradh  agus  chi  thu 
araon  barail  Phoil  air  gradh  agus  an  aon  ni  a 
mheas  e  inar  an  ni  as  mo  tha  air  an  t-saoghal. 
An  urrainn  sinn  beachd  a  ghabhail  air  luach 
pearsa  losa  Criosd  an  sealladh  an  Athar  ?  Ged 
chuireadh  tu  cridhe  gach  athar  air  an  t-saoghal 
ann  an  aon,  saoil  thu  am  biodh  e  comasach  air 
doimhneachd  an  fhacail  ud  a  ghrunnachadh  : 
"Is  e  so  mo  mhac  gradhach  anns  a  bheil  mo 
mhor  thlachd  ?  "  No  idir  a  dhol  a  steach  am 
faireachadh  a'  ghraidh  ud  is  e  ag  iobradh  aon 
ghin  a  mhic  :  "  Is  e  so  mo  mhac  gradhach  's  a' 
bheil  mo  mhor  thlachd?  " 

Ach  a  rithisd.  An  cualas  a  riamh  ni  a  tha 
cho  graineil  is  cho  uamhasach  's  a  tha  peacadh 
an  duine  do  naomhachd  Dhe  ?  Ach  a  dh'ain- 
deon  sin  tha  Dia  a'  gradhachadh  pheacach  leis 
a'  ghradh  so.  An  uair  as  mo  e  agus  as  graineile 
e,  tha  Dia  'g  a  shlugadh  suas  anns  a'  ghradh  so. 
A  bheil  fhios  air  meud  a'  ghraidh  so  ?  "Is  ann 
mar  so  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal  gun  d'thug 
e  aonghin  Mhic  a  chum  's  ge  b'e  neach  a 
chreideadh  ann  nach  biodh  e  air  a  sgrios  ach 
gum  biodh  a'  bheatha  shiorruidh  aige.  Is  e  so 
sgeul  aoibhneach  na  slainte  do  gach  truaghan 
peacach  a  tha  fhathast  fo  ghairm  an  t-Soisgeil. 


Thainig  losa  Criosd  araon  a  dheanamh  's  a 
sheirm  na  sgeoil  so  gun  lethbhreth  air  anam  a 
tha  cur  feum  air  slainte.  "  Ged  robh  peacaidh- 
ean  mar  sgarlaid,  no  mar  Phurpur  ni  esan  iad 
geal  mar  shneachd."  Sin  agad  gradh  mor  agus 
a  tha  airidh  air  Dia  a  mhain. 

3.  Is  e  an  gradh  so  an  ni  as  cumhachdaiche 
air  an  dThuair  duine  riamh  fios. 

An  aithne  dhuinn  crioch  air  bith  air  cumhachd 
inntinn  an  duine  ?  Ciod  e  an  t-eolas  nach  d'thug 
e  mach  ?  Ciod  e  air  nach  d'fhuair  e  buaidh  ? 
Ciod  e  an  t-innleachd  dhe  nach  do  rinn  e  seir- 
bhiseach.  Tha  e  'n  a  mhaighistir  mar  is  aill  leis 
air  iomadh  cumhachd  agus  ni  diamhair.  Cuiridh 
e  an  dealanaich  air  cheann-turuis.  Chan  'eil 
seorsa  obair  nach  toir  e  oirre  a  dheanamh  'n  a 
aite.  Lorgaidh  i  Domhnull  ged  nach  'eil  fhios 
aig  duine  c'aite  dhe'n  t-saoghal  a  bheil  a  chuairt. 
Tha  sin  furasd  dhith  agus  ceud  ni  eile  's  air  nach 
urra  mise  luaidh  a  dheanamh.  Ciod  nach  com- 
asach dhith  a  dheanamh  ?  Is  urrainn  i  an  duine 
mharbhadh  ;  ach  is  urrainn  an  gradh  so  am 
peacach  as  truaighe  iompachadh  agus  a 
dheanamh  saoibhir  an  gras  Dhe.  Is  urrainn  e 
an  cridhe  cruaidh  a  bhriseadh  is  fhosgladh  a 
chum  eisdeachd  ri  nithean  glormhor  Dhe.  Is 
urrainn  e  oighre  ifrinn  a  dheanamh  'n  a  oighre 
air  Dia  's  'n  a  cho-oighre  maille  ri  Criosd.  Is 
urrainn  an  gradh  so  an  duine  "  uasal  "  a 
dheanamh  'n  a  thraill  umhail  agus  deonach  do'n 
Dia  dh'an  robh  fuath  is  gamhlas  a  chridhe  aige 
roimhe  'n  so. 

4.  Is  e  an  gradh  so  an  ni  as  iongantaiche  as 
aithne  dhuinn. 

Eisd  ri  Pol  is  e  togail  fianuis  :  "  Ghradhaich  e 
mise  agus  thug  e  e  fhein  air  mo  shonsa."  Is 
e  sin  iogantas  bu  mho  ghabh  Pol  a  riamh.  Bha 
uair  nach  aidicheadh  Pol  gum  b'urrainn  losa 
fhein  a  chur  fo  chomain.  Ach  thainig  la  eile  air 
Pol,  agus  is  e  theireadh  e  mu  dheidhinn  fhein 
"  Ceann-feadhna  nam  peacach,"  B'ann  an  la  sin 
a  ghabh  e  ri  comain  o  losa,  agus  a  fhuair  e 
chomain  nach  deach  aig  air  a  phaidheadh  a 
riamh.  Ach  chan  e  mhain  gun  robh  e  do  Phol 
'n  a  iongantas  cho  mor.  Ach  smaoinich  thusa 
an  cruth-atharrachadh  a  rinn  e  air  Pol.  Ciod 
eile  a  b'urrainn  a  dheanamh  :  eucorach,  toibh- 
eumach,  fear-geur-leanmhainn  air  a  dheanamh 
'n  a  chriosduidh  cho  mor,  Abstol  cho  soirbh- 
eachail,  'n  a  shearmonaiche  cho  sultmhor  sim- 
plidh  :  'n  a  ghaisgeach  agus  'n  a  churaidh. 
Chan  f  haic  sinn  an  t-iongantas  cho  mor  gus  am 
faic  sinn  crioch  air  obair  a'  ghraidh  is  a  ghrais. 

II.  Foighidinn  Chriosd. 

Dh'fheumadh  foighidinn  a  bhi  aige  ri  iomadh 
ni  anns  an  t-saoghal.  Dh'fheumadh  foighidinn 
a  bhi  aige  ri  bochdainn.  Is  ann  bochd  a  bha  a 
chrannchur  anns  an  t-saoghal,  agus  ged  bha 
h-uile  cumhachd  fo  a  laimh  :  aran  a  dheanamh 
ged  a  b'ann  dhe  na  clachan,  cha  do  chleachd  e 
an  cumhachd  sin  a  riamh  a  dheanamh  cobhair 


SEARMON— CAIRDEAN  PHOIL 


air  'n  a  fheum.  Co  ghabhas  air  a  radh  gu 
bheil  bochdainn  furasd  a  ghiulan  ?  Is  ami  'san 
t-suidheachadh  sin  a  tha  foighidinn  cho  feumail. 
Agus  is  iomadh  uair  a  tha  clann  nan  gras  air  an 
cur  an  casan  'san  f  hreasdal  gur  e  an  f  hoighidinn 
an  gras  as  feumaile  dhaibh,  agus  an  comharra 
as  soilleire  a  tha  dearbhadh  an  daimh  ghrasmhor 
ri  losa  Criosd. 

Dh'fheumadh  foighidinn  a  bhi  aige  ri  daoine 
a  dh'iomadh  seorsa  ;  ri  cairdeas  leth-mharbh, 
ri  daoine  a  bha  fo  bhuaidh  ceilg  is  fuath.  Ged 
bu  duine  e  a  bha  an  comhnaidh  a'  dol  mun  cuairt 


a'  deanamh  maith  bha  e  gu  trie  air  a  ehlaoidh 
le  ceilg  is  fuath  dhaoine.  Gu  tri  bha  e  motha- 
chadh  cho  trom  's  a  bha  toil  Dhe.  Bha  e  gu 
trie  air  a  ehlaoidh  le  aonaranaehd  an  saoghal 
coimheach.  Bha  e  air  a  sharuehadh  le  fulangas 
agus  le  iobairt  a'  Chrainn-cheusaidh. 

Sud  am  fasgadh  as  f  hearr,  eadhon  gradh  Dhe 
agus  foighidinn  Chriosd,  an  cothrom  as  fhearr 
air  neaeh  a  fein  a  dhion  agus  mar  an  ceudna  air 
ionnsaigh  a  thoirt  air  namh.  Feuch  gun  gabh 
thu  fasgadh  ann  an  gradh  agus  ann  am  foigh- 
idinn losa  Criosd. 


Cairdean  Phoil 


Demas 


CHAN  'eil  Demas  air  ainmeaehadh  ach  tri 
uairean  'san  Tiomnadh  Nuadh,  agus  chan 
'eil  na  tri  uairean  sin  fhein  ach  goirid.  A 
bharrachd  air  sin  an  uair  tha  Pol  'g  a  ainmeaeh- 
adh chan  'eil  e  cantainn  ni  taitneaeh  mu 
thimchioll  mar  a  tha  e  cantainn  mu  Thimoteus 
agus  mu  Thitus. 

Tha  sin  ag  amharc  mar  gum  biodh  teagamh 
aig  Pol  mu  Dhemas  o  thoiseach.  Tha  cuid  ann 
mar  sin.  Chan  urrainn  daibh  an  corr  a  radh 
na  :  "  Chan  'eil  fhios  agam  eiod  e  as  aobhar  air 
ach  cha  toigh  leam  an  duine  ud."  Chan  'eil  sin 
ag  amharc  aona  chuid  coibhneil  no  reusanta  ach 
uairean  tha  an  t-amharus  air  fhireanachadh. 
Agus  sin  mar  a  bha  a  thaobh  Phoil.  Bha  e  'n  a 
dhuine  aig  an  robh  geur  bhreithneachadh  ;  ach 
coltach  r'a  Mhaighistir  a  thaobh  an  daimh  anns 
an  do  sheas  e  do  ludas  Isacriot,  cha  do  rinn  sin 
atharrachadh  sam  bith  anns  an  doigh  anns  an 
do  bhuin  Pol  ri  Demas.  An  deidh  sin  b'eigin 
da  radh  :  "  Threig  Demas  mi  air  dha  an  saoghal 
so  a  tha  lathair  a  ghradhachadh."  Tha  sin  mar 
gun  abradh  Pol :  "  Bha  teagamh  agam  bho  thoi- 
seach mu  thimchioll  Dhemais,  ach  bha  dochas 
agam  nach  tigeadh  e  thuige  so."  Bha  Demas 
air  a  bhi  liinemhaith  eomhla  ri  Pol — tri  no  ceithir 
a  bhliadhnachan.  A  bharrachd  air  sin,  cosmhail 
ri  ludas  Isacriot  faodaidh  gun  robh  aite  son- 
raichte  aig  Demas  am  measg  nam  braithrean. 

Co  dhiubh  an  uair  tha  Pol  ag  radh  :  ' '  Threig 
Demas  mi  "  tha  e  feuchainn  ri  foluch  a  chur  air 
cho  doilghiosach  agus  a  bha  sin  dha.  Cha  toigh 
le  duine  treun  gearan  a  dheanamh,  ach  na 
freagradh  Pol  a  reir  fhaireachadh  b'ann  an 
cainnt  neach  bu  mho  bha  air  a  threigsinn  na  aon 
de  chlann  nan  daoine.  "  Ciod  iad  na  lotan  sin 
ann  ad  lamhan  ?  "  "  lad  sin  leis  an  do  lotadh 
mi  an  tigh  mo  chairdean."  Bha  na  lotan  na  bu 
doirbhe  an  giulan  do  bhrlgh  an  suidheachadh 
anns  robh  Pol  aig  an  am  :  "  Tha  mise  nis  gus  a 
bhi  air  m'iobradh  agus  tha  am  mo  shiubhal  am 
fagus."  An  deidh  sin,  chan  'eil  searbhadas 
sam  bith  's  na  bi'iathran  :  "  Threig  Demas  mi." 

Is  e  an  reuson  a  tha  Pol  a'  toirt  air  an  treip-- 


sinn  :  "  Air  dha  an  saoghal  so  a  tha  lathair  a 
ghradhachadh."  Chan  'eil  e  soirbh  a  radh  ciod 
e  tha  sin  a'  ciallachadh.  Cinnteach  gu  leor  tha 
e  a'  ciallachadh  gu  bheil  aon  ni  a'  treorachadh 
gu  ni  i  eile.  Na  'm  biodh  Demas  air  marsuing 
maille  ri  Pol  dh'  fhaodadh  e  bhi  air  tighinn  gu 
bhi  'n  a  dhuine  eile.  An  aite  sin  chaidh  e  gu 
Tesalonica.  'S  docha  gum  buineadh  e  do'n  aite 
sin.  Co  dhiubh  cha  b'fhearrda  e  dhol  ann. 
Faodaidh  e  bhi  nach  robh  e  'n  a  riin  Pol  a 
threigsin  idir.  Ach  luidhe  a  chairdean  air. 
Chan  'eil  e  doirbh  a  smuaineachadh  ciod  e 
theireadh  a  pharantan — cinnich  's  mar  a  bha  iad. 
An  robh  e  coltach  gum  fagadh  e  iadsan  'n  an  sean 
aois  ?  Ciod  e  a'  bhuannachd  a  bha  gu  bhi  acasan 
no  aigesan  a  bhi  leantainn  duine  aig  nach  robh 
ni  sam  bith  ach  na  choisneadh  a  lamhan  dha  ? 
No  faodaidh  e  bhi  gum  b'ann  o  eagal  a  mhain 
a  dh'eirich  treigsinn  Dhemas.  Bha  an  la  a  bha 
ann  ro  chruaidh.  Bha  Pol  'n  a  phriosonach  's  a' 
Roimh  's  cha  robh  e  sabhailt  a  bhi  an  sin  eomhla 
ris.  Bha  Nero  'n  a  righ  aig  an  am.  Bha  e  air 
bhoil  an  aghaidh  nan  creidmhich.  Cha  robh  e 
'n  a  shealladh  neo-chumanta  a  bhi  'g  am  faicinn 
fuaighte  suas  an  croicinn  fhiadh-bheathach,  air 
an  reubadh  gu  bas  leis  na  coin,  no  air  an  smeu- 
radh  le  tearr  's  air  an  's  air  an  cur  'n  an  teine  an 
lios  Nero  air  son  fearas-chuideachd  a  dheanamh 
dha.  Cha  robh  e  soirbh  Criosd  a  leantainn  an 
la  ud.  Gu  litireil  b'e  charraig  air  an  d'rinn 
Demas  long-bhriseadh,  gradh  an  t-saoghail. 
Sin  am  mineachadh  a  tha  Buinian  a'  toirt  as 
coimh-cheangailte  ris  an  tulach  d'am  b'ainm 
Cnocan  Tarbhach.  Anns  a'  chnoc  so  bha  meinn 
airgid  a  bha  'n  a  buaireadh  do  luchd-siubhail 
an  rathaid.  Bha  cuid  a  chaidh  cho  faisg  air 
bile  na  meinne  agus  gun  do  thuit  iad  sios 
innte,  agus  cuid  eile  a  chaidh  a  ghoirteachadh 
cho  mor  agus  nach  d'f huair  iad  riamh  thairis  air. 
Sin,  ma  tha,  far  an  do  thachair  Demas  ri  Buinian- 
Bha  e  mar  dhuine  uasal  riomhach  a'  buaireadh 
luchd-gabhail  an  rathaid  teachd  'g  a  fhaicinn. 
"  Ho  "  ars'  esan  ri  criosduidh  agus  ri  Ciatach, 
"  thip-ibh   ann  an  so  as'us   nochdaidh   mise  ni 


8 


CAIRDEAN  PHOIL— OLCAS  NA  LEISGE 


dhuibh."  Ach  ged  a  dh'aontaich  Ciatach  ag 
radh  :  "  Rachamaid  a  dh'fhaicinn  "  thuirt 
Criosduidh,  Cha  teid  :  tha  an  t-aite  cunnar- 
tach."  An  sin  thionndaidh  e  air  Demas  agus 
thuirt  e  :  "Is  aithne  dhomh  thus  :  b'e  Gehasi 
do  shinn-seanair  agus  ludas  t'athair ;  agus 
ghluais  thu  'n  an  cas-cheumaibh.  Is  olc  an 
cleas  a  tha  thu  deanamh.  Chaidh  t'athair  a 
chrochadh  a  chionn  a  bhi  'n  a  bhrathadair,  agus 
tha  thu  fein  a'  toilltinn  a'  pheanais  cheudna." 

Bu  mhaith  leinn  fios  a  bhi  againn  ciod  e 
thachair  do  Dhemas.  An  do  rinn  e  aithreachas 
mar  a  rinn  Eoin  Marc  an  uair  a  threig  e  Pol  agus 
Barnabas  ?  Chan  'eil  fios  againn,  ach  ma 
chreideas  sinn  beul-aithris  thainig  e  gu  bhi  'n  a 
shagart  iodhol-aorach  agus  mharbh  dealanach  e 
an  uair  a  bha  e  frithealadh  aig  an  altair. 

Tha  barrachd  air  aon  rabhadh  comh-chean- 
gailte  ri  beatha  Dhemais  ;  tha  e  ceart  uairean 
grain  arach  ach  bu  choir  truas  a  bhi  comhla  ri 
grain.  Na'n  robh  sinne  air  a  bhi  'n  a  aite  an 
deanamaid  na  b'fhearr  ?  Ciod  e  eadhon  a  tha 
sinn  a'  deanamh  ?  A  bheil  sinn  an  comhnaidh 
dileas  d'ar  cairdean  ?  Ciod  e  mu  mhuinntir  bg 
an  uair  a  dh'fhagas  iad  an  dachaidhean  ?  A 
bheil  iad  an  comhnaidh  cuimhneachail  air  am 
parantan  ?  A  bheil  iad  cuimhneachail  Airsan 
"  a  tha  toirt  do  na  h-uile  beatha  agus  anail  agus 
na  h-uile  nithean  ? 

Tha  Lucas  agus  Demas  air.  an  ainmeachadh 
comhla  r'a  cheile  ann  am  failte  do  na  Colossia- 


naich.  Ciod  uaithe  gan  d'eirich  e  gun  robh  iad 
gidheadh  cho  eadar-dhealaichte  ?  Bithidh  sinn 
a'  faighneach  na  ceisde  cheudna  coimhchean- 
gailte  ri  buill  an  aoin  teaghlaich  ;  an  aoin 
teagasg  an  aoin  eisimpleir,  an  aoin  churam^ 
ach  O,  cho  eadar-dhealaichte  !  "  Tha  an 
t-eolas  so  ro  iongantach  is  ormsa  tha  e  cruaidh. 
Ach  tha  an  ath  leasan  soilleir  gu  leor.  "  An 
ti  a  shaoileas  e  bhi  'n  a  sheasamh  thugadh  e  aire 
nach  tuit  e."  Chan  'eil  sin  a'  ciallachadh  easbh- 
uidh  creidimh  ann  an  Dia.  Cha  mho  tha  e 
ciallachadh  eagal  traileil  roimh  Dhia.  Ach  tha 
e  ciallachadh  easbhuidh  creidimh  a  annad  f hein. 
"  An  cii  do  sheirbhiseach  gun  deanadh  e  sin  ?  " 
Ach  gidheadh  rinn  e  e.  Chan  'eil  duine  cho 
mi-shabhailte  ris  an  duine  tha  sabhailte  ann 
fhein.  An  ti  tha  umhail  agus  toileach  agus  tha 
cur  a  dhochais  anns  an  Tighearna  bidh  e 
"  Mar  shliabh  Shioin  a  ghnath, 
Nach  faodar  fos  a  charuchadh, 
Ach  mhaireas  ann  gu  brath." 

Tha  ghliocas  a'  teagasg  casg  a  chur  air  ni  'n  a 
thoiseach.  Cha  do  thuit  Demas  a  dh'aon 
bheum.  Thainig  mar  sin  an  t-am  anns  nach 
robh  seachnadh  air  tuiteam.  Tha  aon  ni  ann 
as  eugmhais  nach  biodh  nan  rabhaidhean  so 
coimhlionta  :  Do  bhrigh  's  nach  'eil  duine  ann 
nach  peacaich. 

"  S  e  nis  an  t-am  bhi  reidh  ri  Dia  ; 
'S  e  nis  an  t-am  thoirt  geill  do'n  Triath  ; 
Am  feadh  a  mhaireas  la  nan  gras, 
Faodaidh  gach  neach  dol  as  o'n  bhas." 


Olcas  Na  Leisge 


CHA  'n  urrainn  duine  leasg  companas 
Chriosd  a  mhealtainn  ;  tha  Criosd  'na 
choisiche  sunndach,  agus  feumaidh  a  chom- 
panaich  coiseachd  gu  sunndach  cuideachd  ma 
bu  mhaith  leo  conaltradh  a  bhi  aca  ris.  Mur 
dean  iad  sin  caillidh  iad  e.  Cha  mho  is  urrainn 
daoine  diomhanach  companas  a  bhi  aca  ri 
Criosd.  Tha  mi  a'  faicinn  anns  a'  Bhiobull  gur 
ann  gu  trie  an  uair  a  bha  iad  driopail  air  cheann 
an  gnothuich  a  dh'  fhoillsich  Dia  e  fein  do  na 
naoimh.  Bha  Maois  air  cheann  a  ghnothuich, 
a'  sealltainn  as  deidh  an  treuda  an  uair  a  chun- 
naic  e  am  preas  a  bha  air  theine  ;  bha  Gideon 
a'  bualadh  ;  Elisa  a'  treabhadh  ;  Seumas 
agus  Eoin  ag  iasgach  ;  agus  Mata  aig  aite  na 
cise  an  uair  a  ghairm  an  Tighearn  iad.  Am  mana 
a  ghleidh  clann  Israel  gu  maduinn  los  nach  biodh 
aca  ri  dol  'g  a  chruinneachadh  a  h-uile  la 
thainig  cnuimheagan  ann  is  droch  aileadh. 

Loisgidh  is  cruadhaichidh  an  leisg  coguis  duine 
air  chor  agus  gu'n  caill  e  f  haireachduinn  agus  a 
thur.  Thachair  sin  do  Dhaibhidh  ;  an  uair  a 
bha  e  diomhanach  's  a  thoisich  e  air  fois  a  thoirt 
d'a  fheoil  air  muUach  an  tighe  thainig  Satan 
thuige  is  bhuair  e  e.  Ghin  an  diomhanas  buair- 
eadh,  is  rug  am  buaireadh  peacadh,  is  as  a'  phea- 


cadh  thainig  am  bas  air  a'  cheann  mu  dheireadh. 

Uair  a  chaidh  boirionnach  sonraichte  a  dh' 
iarraidh  comhairle  air  seana  mhinistear  diadh- 
aidh  dh'  innis  i  dha  gu  robh  i  air  a  pianadh  le 
buaraidhean  nach  robh  a'  toirt  fois  idir  dhi. 
An  deidh  do'n  mhinistear  am  boirionnach  a 
cheasnachadh,  thuig  e  nach  robh  i  uair  air  bith 
ag  obair,  is  thubhairt  e  rithe,  "  A  Phiuthar, 
na'm  biodh  tusa  trang,  ged  chuireadh  Satan 
buaireadh  'n  ad  rathad,  cha  deanamh  sin  coire 
air  bith  ort  ;   gheibheadh  tu  doigh  air  dol  as." 

An  aite  an  Diabhoil  a  bhi  a'  buaireadh 
Chriosduidhean  a  tha  leasg  no  diomhain  is  ann 
a  tha  iadsan  'ga  bhuaireadh-san.  Tha  iad  a' 
fosgladh  dorus  an  cridhe  gu  farsuing  agus  a' 
toirt  cuiridh  do'n  Diabhol  tighinn  a  steach. 
Ach  ma  tha  sinn  air  cheann  ar  gnothuichean 
dligheach  fad  an  la  tha  dorus  a'  chridhe  air  a 
dhimadh  an  aghaidh  an  Diabhoil,  is  dh'  fheu- 
madh  e  a  bhriseadh  m'am  faigheadh  e  a  steach. 
A  mach  bho  chreideamh,  agus  dion  an  Tigh- 
earna, chan  'eil  sgiath  as  fhearr  do  shluagh  an 
Tighearn  an  aghaidh  buairidh  na  "  gun  bhi 
leasg  ann  an  gnothuichibh,  diirachdach  ann  an 
spiorad,  a'  deanamh  seirbhis  do'n  Tighearna," 

C.  H.  S. 


Air 


7 


93 


Feuch  Uan  Dhe  ! 

[Le  cead  coibhueil  am  Monthly  Visitor^ 


[Bha  an  searmon  so  air  a  sgriohhadh  le  Seumas 
Brim,  M.P.,  a  bha  seasamh  aite  an  righ  aig  an 
Ard-Sheanadh  am  bliadkna,  agus  air  a  chur  a  mach 
ann  an  tract  le  Comunn  nan  Tractaidhean.  Tha 
sinn  an  diiil  gur  e  so  a'  cheud  uair  riamh  a  bha 
tract  air  a  sgriobhadh  le  Ard  Theachdair  an  rlgh, 
ach  is  maith  an  comharra  air  duine  air  bith  gu 
bheil  lobar  'n  a  chridhe  as  an  eirigh  tract.  Co 
dhiu  tha  i  so  simplidh  agus  freagarrach  air  son  nan 
duilleagan  so,  is  tha  sinn  toilichte  a  bhi  'ga  cur  air 
beulaibh  ar  luchd-leughaidh,  an  da  chuid,  air 
sgath  an  dui?ie-uasail  a  sgribbh  i  agus  a  chionn  gu 
bheil  dileadh  is  bias  an  t-soisgeil  innte.  Theagamh 
gun  tuigeadh  ar  luchd-leughaidh  e  ged  nach  inn- 
seamaid  e  dhaibh  gur  ann  o  fhiosrachadh  fein  agus 
a  Icoiachd  a  chridhe  fein  a  sgriohh  Seumas  Briin 
an  searmon  *o.] 

BHA  searmonaiche  air  blar  a'  criochnachadh 
n  uair  a  bha  oganach  a  gabhail  seachad. 
Bha  aire  air  a  tarruing  leis  na  seana  bhriathran 
eolach  :  "  Feuch  Uan  De  a  tha  toirt  air  falbh 
peacadh  an  t-saoghail  "  (Eoin  i.  29),  agus  sheas 
e  ag  eisdeachd.  Bha  an  searmonaiche  a'  labh- 
airt  le  diirachd  agus  thuirt  e  'sa'  cho  dhiinadh  : 
Chuir  Dia  an  ceill  'n  a  f  hacal  nach  'eil  niaith- 
eanas  peacaidh  ann  as  eugmhais  dortadh  fala. 
A  reir  a  lagh  naonih  's  an  t-seann  aimsir,  bha 
fuil  tharbh  agus  ghobhar  air  a  h-iobairt  air  son 
peacaidh,  ach  le  a  bhas  air  'a  Chrann  thug- 
Mac  Dhe  e  fhein  suas  aon  uair  a  mhain  mar 
aon  iobairt  air  son  peacaidh,  agus  mar  sin 
dh'fhosgail  e  slighe  nuadh  agus  bheo  gu  Dia. 
Aig  Jordan  sheall  Eoin  losa  o  Nasaret  mar  Uan 
Dhe.  An  ceann  bhliadhnachan  thuirt  losa  : 
Mise  ma  thogar  suas  o'n  talamh  mi  tar- 
ruingidh  mi  na  h'uile  dhaoine  am  ionnsaigh  " 
(Eoin  xii.  32).  A  chairdean  bha  e  air  a  thogail 
suas  a  chum  gu  faiceadh  na  h-uile  e.  Seall  ris. 
Thig  da  ionnsaigh.  Bheir  e  dhiot  an  t-eallach 
peacaidh  a  tha  cho  trom  ort.  Am  briathran  na 
laoidh  a  tha  sinn  a'  dol  a  sheinn  : 

*'  Tha  beatha  an  sealladh  dhe  'n  aon  cheusd, 
Tha  beatha  ann  dhutsa  air  ball." 

Chaidh  an  laoidh  a  sheinn.    Ghabh  an  t-6ganach 
roimhe. 

Rinn  e  sud  iomadh  uair  a  roimhe  ;  ach  cha 
robh  an  oidhche  ud  mar  oidhchean  eile.  Bha 
e  dian  smaoineachadh  air  na  sgriobturan  so  a 
chuala  e.  Da  la  roimhe  sud  bha  e  ag  eisdeachd 
ri  briathran  coltach  riu  is  iad  air  an  seinn  an 
uair  a  bha  am  Messiah  air  a  sheinn  an  Talla  a' 
bhaile.     Bha  an  ceol  agus  na  briathran  f  hathast 


A'  Taladh  Inntinn. 

An  nochd  bha  an  searmonaiche  a'  guidhe  air  : 
Feuch  Uan  Dhe.  Bha  na  facail  mar  gum  b'eadh 
'g  a  leantainn. 

Bu  duine  6g  gun  lochd  e.  Air  arach  an 
dachaidh  mhaith,  faiceallach,  fritheilteach  air 
na  meadhonan,  gabhail  tlachd  gu  trie  'san 
t-searmon,  a'  gabhail  tlachd  air  leth  'san  t-seinn, 
ach  gus  a  nis  cha  robh  e  air  smuain  dhiirachdach 
a  thoirt  air  tearnadh  anam.  Cha  robh  's  a' 
pheacadh  dhasan  ach  ni  gun  brigh. 

'*  Cha  b'aithne  dhomh  mo  chunnart, 
Cha  do  mhothaich  mi  m'uallach." 

Bha  nise  cumhachd  leis  an  Sgriobtur  ud.  Bha 
inntinn  air  a  dtisgadh.  Bha  na  nithean  a  bha 
roimhe  ceothach  a  nis  air  fas  na  bu  duirche.  A 
rithisd  agus  a  rithisd  chaidh  ceisd  Nicodemus 
troimh  inntinn, 

"  ClAMAR   AS    UrRAINN    NA    NITHEAN   SO   A 
BHI  ?  " 

Ach  !  Bha  e  air  a  lot  le  facal  Dhe,  is  chunnaic 
e  gum  bu  pheacach  e  agus  gun  robh  feum  aige 
air  Slanuighear.  Mar  sin  bha  e  gun  fhois  agus 
iomnach. 

Buidheachas  do  Dhia  ma  lotas  e  leighisidh  e 
cuideachd.  Chuala  an  t-6ganach  so  an  teach- 
daireachd  cheudna  'n  a  eaglais  fhein  :  "  Feuch 
Uan  Dhe  tha  toirt  air  falbh  peacadh  an  t-saogh- 
ail." Mar  a  bha  iomnaidh  a'  dol  am  meud 
bhruidhinn  e  ri  mhinisteir,  fear  a  bha  maith  air 
treorachadh  a  leithid. 

"  Ciod  as  ciall  da  so  uile."  "  Ciamar  a 
bheirear  peacadh  air  falbh  ?  " 

"  Tha  fhios  agad  gur  e  losa  Uan  Dhe.  Tha 
thu  creidsinn  gur  Mac  Dhe  e  ;  gun  robh  e  air 
a  cheusadh,  agus  gun  bhasaich  e  agus  gun 
thogadh  a  rithisd  e  ?  " 

"  Tha,  tha  fhios  agam  air  an  sin." 

"  A  bheil  thu  creidsinn  uime  sin  gu  bheil  e 
comas  ach  air  tearnadh  gu  h-iomlan  a'  mhuinntir 
a  thig  a  dh'ionnsaigh  Dhe  tridsan  ?  (Eabh. 
vii.  25)  ;  gu  bheil  e  mar  a  thuirt  Isaiah  '  cum- 
hachdach  gu  tearnadh.'  Ma  tha  thu  creidsinn 
so,  agus  tha  thu  ag  radh  gu  bheil,  an  sin 
amhairc  air  agus  bi  air  do  thearnadh.  Mar  sin 
thuirt  Peadair  :  '  Neach  e  fein  a  ghiiilan  ar 
peacaidhean  'n  a  chorp  fein  air  a'  chrann.'  Cuir 
am  facal  mo  an  aite  ar.    Tha  losa  Criosd,  Uan 


2 


FEUCH  UAN  DHE! 


Dhe  a'  giulan  mo  pheacaidh.  Is  e  sin  doigh 
Dhe  air  tearnadh." 

"  Ah,  is  e  sin  e  an  e  ?  " 

"  Is  e.  Creid  anns  an  Tighearna  losa  Criosd 
agus  tearnar  thu  "  (Gn.  xvi.  31). 

Bhris  an  solus  air  anam  an  oganaich.  Tha 
e  an  diugh  a'  togail  fianuis  shoilleir  air  maith- 
eanas  peacaidh  agus  air  cumhachd  tearnaidh  is 
gleidhidh  an  Tighearna  losa  Criosd. 

Theiream  ribhse  tha  leughadh  so,  mur  'eil 
sibh  fhathast  comasach  air  a  radh  :  "  Tha  mo 
pheacaidhean  air  am  maitheadh  "  is  e  an  t-as- 
creidimh  as  coireach.  Tha  facal  Dhe  a'  cur  an 
ceill  gu  bheil  fuil  losa  Criosd  a  Mhic  'g  ar 
glanadh  o  gach  uile  pheacadh  "  (1  Eoin  i.  7). 
Cha  deach  an  t-6ganach  ud  troimh  f hiosrachadh 
neo-abhaiseach.  Is  maith  a  chumail  air  chu- 
imhne  nach  ann  air  an  aon  sUghe  a  tha  h-uile 
neach  a'tighinn  gu  eolas  na  firinn.  Ach  co 
dhiiibh  a  bha  sinn  air  chrith  le  uamhasan  an 
lagha  no  air  ar  tarruing  le  ciiirdibh  graidh  Dhe 
is  e  losa  Criosd  a'  bhunait  air  a  bheil  uile 
dhearbhachd  slainte  air  a  thogail.  "  Chan  'eil 
ainm  air  bith  eile  fo  naimh  air  a  thoirt  am 
measg  dhaoine  tre  an  faod  sinn  a  bhi  air  ar 
tearnadh  "  (Gn.  iv.  12).  Gidheadh  nach  lion- 
mhor  iad  nach  'eil  a'  toirt  fa'near.  Theagamh 
nach  robh  daoine  a  riamh  cho  gionach  air 
solasan  an  t-saoghail  is  a  tha  iad  an  diugh. 
Mo  thruaighe 

Tha  iad  so  a'  mealladii  's  a'  taladh, 
iomadh  neach  gu  sgrios.  Tha  iad  tartmhor  ach 
chan  'eil  fhios  aca  c'ait  am  faigh  iad  sasuchadh. 
Mar  a  bha  an  laithibh  leremiah  tha  iad  a' 
cladhach  a  mach  dhaibh  fein  sluichd,  sluichd 
ao-dionach,  nach  cum  uisge."  Gidheadh  tha 
losa  a  tairgse  "  tobair  uisge  a'  sruthadh  suas 
chum  na  beatha  maireannaich  "  (Eoin  iv.  14). 

A  thuilleadh  air  an  sin  tha  sinn  a'  faicinn 
mar  a  thaas-creidimh  air  cumhachd  Dhe  agus 
taire  air  maise  na  naomhachd  fa  sgaoil.  Tha 
eolas  dripeil  a'  leigeil  ris  fa  chomhair  suilean 
iongantais  cuid  de  dhiamhaireachdan  a'  chru- 
inne  che.  Tha  eolas  air  ardachadh  mar  gum 
bu  dia  e.  Tha  daoine  air  doighean  eile  ag 
iarraidh  chomharran.  Tha  cuid  a'  gabhail  orra 
gun  leig  iad  ris  diamhaireachdan  na  beatha  an 
taobh  thall  dhe'n  uaigh.  Is  e  miann  mhoran 
gun  cluinn  iad  rud  eigin  nuadh.  Innis  dhaibh 
sgeula  airsan  a  bha  marbh  agus  a  tha  beo  gu 
siorruidh  is  's  e  their  iad  nach  e'il  an  sin  ach 
gabadaich  an  amadain  agus  tionndaidhidh  iad 
air  falbh  le  fanoid. 

Tha  cuid  eile  ag  iarraidh  Biobull  tir  air  neo 
gun  toir  an  Eaglais  dhaibh  teachdaireachd 
nuadh  chum  gum  bi  an  inntinnibh  foghluimte 
air  an  oideachabh.  Ciod  am  freagradh  a  bheir 
sinne  a  tha  air  ar  tearnadh  tre  ghras  ?  Tha 
sinn  ag  iarraidh  ministeirean  .a  fhuair  ard- 
f  hoghlum ;  eaglaisean  as  f  hearr  agus  as  soilleire ; 


ceol  a  tha  airidh  air  aoradh  Dhe.  Ach  ged 
bhiodh  sin  uile  againn  mur  h-e  Criosd  bunait 
na  firinn  air  a  cur  an  ceill  ;  mur  h-e  Slanuighear 
agus  Tighearna,  agus  mar  sin  a'  faotainn 

An  Aite  as  Urramaiche 

'n  ar  coinnimhean  gu  leir,  air  chor  's  gu  bheil 
ar  n-uile  shaothair  a'  cruinneachadh  timchioll 
air  an  sin,  bidh  binn  Shardis  air  a  toirt  oirnne. 

Chitear  an  so  agus  an  sud  mar  gum  biodh 
cuid  agus  rud  eigin  de  naire  orra  mun  t-soisgeul 
sean-fhasanta.  Tha  Iain  Buinian  a'  sealltainn 
dhuinn  gum  bu  chreutar  leanmhainneach  a  bha 
's  an  Naire.  Gheibheadh  iad  cuibhte  as  each 
ach  bha  aca  ri  esan  a  sgiurrsadh  uatha.  Chan 
'eil  teagamh  nach  robh  tair  is  fanoid  is  masladh 
air   a   dheanamh   air   Pol  mus   do   sgriobh   e  ; 

Cha  nar  leamsa  soisgeul  Chriosd,  oir  is  cumi- 
hachd  Dhe  e  chum  slainte  do  gach  neach  a 
chreideas."  Mar  mhuinntir  a  tha  leantainn  an 
Tighearna  losa  is  e  ar  n'aideachadh  air  :  "  'S  e 
mhaitheas  dhuit  do  pheacaidhean  gu  leir,  a 
shlanuicheas  t'euslaintean  uile  "  (Salm  ciii.  3  ; 
Gn.  xiii.  38). 

Is  e  sud  an  teachdaireachd  air  a  bheil  feum 
aig  daoine.  An  cath  na  beatha  nach  'eil  sinn 
sgith,  air  ar  claoidh,  bronach  ?  Nach  'eil  sinn 
a  miannachadh  ni  as  fhearr  na's  urrainn  an 
saoghal  a  thoirt  duinn  ?  Tha  guth  losa  a' 
tighinn  thar  nam  bliadhnachan  le  milseachd  agus 
le  gealladh  air  sith  is  suaimhneas  a  tha  tlachd- 
mhor  ri  chluinntinn  :  "  Thigibh  am  ionnsaidh- 
sa,  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair  agus  fo  throm 
uallaich  agus  bheir  mise  suaimhneas  dhuibh  " 
(Mat.  xi.  28). 

Is  Slanuighear  e  a  tha  airidh. 

Neach  Ris  am  Faod  thu  Earbsa. 

Rinn  sluagh  mor  sin.  Thug  e  dhuit  agus  do'n 
t-saoghal  Ian  dearbhadh  air  a  ghradh,  gradh 
neo-chriochnach.  Gheibh  sinn  boillsgidhean  air 
agus  tha  e  'g  ar  lionadh  le  iongantas,  gradh,  is 
moladh. 

Tha  Dia  a'  moladh  a  ghraidh  fein  dhuinne 
do  bhrigh  an  uair  a  bha  sinn  fathast  'n  ar 
peacaich  gun  d'fhuiling  Criosd  bas  air  ar  son 
(Rom.  V.  8).  Dh'fhuiling  e  bas  air  ar  son  ! 
Esan  a  rinn  na  saoghail  !  Dh'fhuiling  esan  do'n 
do  rinn  na  h'ainglibh  as  arda  aoradh,  bas  a' 
Chrainn.  Uan  De  a'  basachadh  air  ar  son  ! 
Feuch  e  am  meadhon  na  righ-chathrach  !  Deich 
mile  uair  deich  mile  agus  miltean  de  mhiltean  ; 
ag  ragh  le  guth  ard,  "  Is  airidh  an  t-Uan  a 
chaidh  a  mharbhadh  air  cumhachd  agus  saoibh- 
reas  agus  gliocas  agus  neart  agus  urram  agus 
gloir  agus  moladh  fhaotainn." 

Ged  chaidh  sinn  fada  air  seachran  ciod  a  their 
sinn  an  solus  a'  ghraidh  iongantaich  so  ?  Nach 
can  sinn  comhla  ri  Tomas, 

"  Mo  Thighearna  affus  mo  Dhia  ! 


FACAL  M'UN  ARD-SHEANADH 


Facal  Mu'n  Ard-Sheanadh 


CHOINNICH  an  t-Ard-Sheanadh  an  Dun- 
eideann  air  an  fhicheadamh  la  de'n 
Cheitein  so  chaidh.  B'e  so  a'  cheud  chruin- 
neachadh  cumanta  de  Ard-chuirt  na  h-Eaglaise 
agus  i  aonaichte  a  rithisd  mar  sheann  is  fhior 
Eaglais  na  h-Alba.  Cha  robh  cuil  no  cear- 
naidhde  de'n  diithaich  eadar  Sealtainnis  garadh- 
crich  Shasuinn,  agus  an  duirt  iad,  eadar  h-Iort 
is  Peairt,  as  nach  robh  teachdairean  is  luchd- 
saothrachaidh  an  t-Soisgeil  mor  shluagh  da 
rireadh,  agus  an  a  t-aon  eud  is  iai'raidh  an  cridhe 
gach  neach  ;  soirbheachadh  an  Aobhair  is 
slainte  na  h-Eaglaise  'nar  tir  ;  sin  agus  gum 
biodh  suaimhneas  is  sonas  an  t-Soisgeil  a  ruig- 
sinn  air  uil-iomallan  na  talmhainn.  Chan  e 
mhain  gu  robh  buill  an  Ard-Sheanaidh  ann, 
agus  cha  bu  bheaff  an  coimhthional  sin  fhein — 
mile,  coig  ceud  tri  fichead  sa  ceitheir-deug 
■ — ach  bha  moran  eile  ann,  fir  is  mnathan  aig  a 
bheil  tlachd  an  Sion  agus  gradh  do  aobhar 
Chriosd  ;  cuid  dhiubh  a  thainig  fad  is  farsuing 
gu  bhi  cluinntinn  'sa  faicinn  mu'n  t-seirbhis 
bheannaichte  a  tha  an  Eaglais  fo  laimh  an  t- 
Slanuigheir  a  cur  air  adhairt.  Bha  spiorad 
comanachaidh  am  measg  nan  uile,  spiorad 
tirachaidh  is  beathachaidh  do  anam  's  do  inntinn, 
agus  cha  robh  duine  beo  a  dh'  aithnicheach 
nach  robh  iad  a  riamh  nan  aon.  Ann  an  seadh 
bha  iad  ann  an  sin  bho  chaidh  am  breith  an 
Criosd  agus  tha  fhios  gum  bi  an  eud  spioradail 
agus  an  aonachd  bhlath  choibhneil  so  air  a 
chleachdadh  le  Ceann  ghlormhor  na  h-Eaglaise 
ffu  beatha  iir  a  dhusffadh  'nar  tir  ffus  am  bi  an 
dithreabh  ait  agus  ar  bailtean  mora  's  ar  glinn 
's  ar  clachain  fo  bhlath  mar  an  ros. 

Bha,  ma  tha,  an  t-Ard-Sheanadh  'na  shuidhe 
fad  dheich  laithean,  bho  Dhi-mairt  gu  Diar- 
daoin  na  h-ath  sheachdanach.  Chaidh  toi- 
seachadh  le  seix'bhis  sholuimte  an  Eaglais  Mhor 
Dhun-eideinn  aig  aon-uair-deug  'sa  mhaduinn, 
agus  shearmonaich  am  Modarator,  an  teach- 
daire  mor  agus  urramach  Iain  White,  D.D., 
LL.D.,  searmoin  a  bha  tomadach  da  rireadh 
agus  araon  simplidh  is  driiiteach.  Chuir  an 
teachdaireachd  a  thug  e  dhuinn  agus  an  spiorad 
aoraidh  is  irioslachaidh  anns  na  chuir  e  sinn,  ann 
an  uidheam  os  deagh  f honn  sinn  fa  chomhair  na 
bha  romhainn.  Bha  an  deidh  sin  an  t-Ard- 
Sheanadh  air  f  hosgladh  le  cliu  is  urnuigh  ann  an 
talla  mhor  an  Ard-Sheanaidh  aig  uair  an  deidh 
mheadhoin-la.  B'e  ceud  dleastanas  na  cuirte 
Modarator  ur  air  son  na  bliadhna  so  a  thaghadh. 
Chaidh  sin  a  dheanamh  gu  h-aon-sgeulach 
le  bhi  gairm  an  t-Urramaich  Anndra  Bogle, 
D.D.,  a  tha  nise  o  chionn  iomadh  bliadhna  os 
cionn  tional  maoin  na  h-Eaglaise  gu  bhi  cumail 
suas  teachd-an-tir  nam  ministeirean.  Bha  e 
airidh  air  an  chathair  affus  ro  fhreagrach  air  an 
son  o  n  tha  geurad  buadhan  air  leth  aige  agus 
gliocas  is  daimh  spioradail  a  reir  sin. 


Bha  so  ro  fheumail  ann  a  bhi  stiuireadh 
gnothaichean  agus  ann  a  bhi  reiteach  cuisean 
is  ceisdean  cudthromach.  Chan  'eil  ni  a  bhui- 
neas  do'n  Eaglais  is  do'n  Aobhar  nach  'eil  a 
tighinn  fa  chomhair  an  Ard-Sheanaidh — ni  sam 
bith  a  tha  duilich  a  reiteach  do  Chleir  no  do 
Sheanadh  no  ni  sam  bith  a  tha  chum  seasamh 
saothair  na  h-Eaglaise  agus  soirbheachadh  na 
Rioghachd  aig  an  tigh  is  thairis.  Tha  a  h-uile 
ni  cho  ordail  's  cho  reidh — mar  bu  choir  an 
teaghlach  Dhe — obair  fhein  aig  gach  la,  agus 
rud  fa  leth  gach  am  de'n  la,  moch  's  an  deidh 
mheadhon-la  is  ainmoch. 

A  rithisd  tha  coinneamhan  sonruichte  air 
feasgaran  araidh  agus  bi  an  talla  mhor  loma- 
lan  o  lar  gu  lobhta  nuair  nach  fhaigheadh  tu 
aite  seasamh  fhein,  agus  moran  nach  fhaigh  a 
steach  a'  cruinneachadh  an  talla  eile  faisg  an 
laimh.  Tha  an  oidhche  a  thatar  a  toirt  iomradh 
air  soirbheachadh  is  craobh-sgaoileadh  an  t- 
Soisgeil  an  tirean  cein  mar  so.  Tha  an  sealladh 
mor  na  mhiann  siil  is  na  iirachadh  cridhe  is 
creidimh  do  neach  air  bith  a  bhios  a  lathair. 
Tha  cuid  de  na  misionaraidhean  a  tha  air  sgriob 
aig  an  tigh  ag  innse  mu  shoirbheachadh  an 
Aobhair  agus  mu  chleachdaidhean  an  t-sluaigh 
anns  na  tirean  dorcha  'sa  bheil  iad  a  saothra- 
chadh.  Bu  chruaidh  an  cridhe  air  nach  driiidh- 
eadh  an  sgeul  a  tha  aca-san  ri  innse — fir  is 
mnathan  a  roghnaich  an-shocair  is  tinneas  is 
cruadal  ann  an  tirean  teth  is  fuar  is  oillteil  chum 
Soisgeul  na  reite  a  thoirt  do  na  fineachan.  Tha 
mar  an  ceudna  na  misionaraidhean  a  tha  dol  a 
mach  air  son  na  ceud  uaire  air  an  toirt  fa  chomh- 
air a'  Mhodaratoir  agus  e  toirt  di-beatha  dhaibh 
le  breith  air  laimh  orra,  aon  an  deidh  h-aon. 
Tha  e  an  sin  le  iirnuigh  'g  an  cur  air  leth  agus  'g 
an  coisrigeadh  chum  na  dreuchd  naoimh  gus  am 
beil  iad  air  an  gairm,  agus  ann  an  lathair  a  mhor 
choimhthionail,  agus  iad  na  seasamh  tha  e  a 
toirt  facal  misneachaidh  dhaibh.  Na  faiceadh 
daoine  leisg  is  mi-chiiramach  feadh  ar  duthcha 
so,  tha  mi  smaoineachadh  gum  biodh  e  na 
mheadhon  dusgaidh  dhaibh  ;  'se  ni  tha  cinn- 
teach  gu  bheil  e  na  mheadhon  grais  do  mhoran. 

Air  feasgar  eile  tha  iomradh  air  a  dheanamh 
air  seirbhis  is  saothair  na  h-Eaglaise  aig  an 
tigh  'nar  bailtean  mora  is  beaga,  agus  feadh 
eileana  is  aitean  iomallach  na  duthcha  mar  a 
tha  a'  Ghaidhealtachd  againn  fhein.  Tha  e  air 
innse  na  feuman  araidh  agus  na  suidhichean 
sonruichte  anns  am  beil  sinn  ;  agus  na  beannach 
dan  is  na  buadhan  a  tha  againn  fo  laimh  an 
Tighearna  ;  chum  is  gum  bidh  an  Eaglais  a 
deanamh  Ian  fheum  de  gach  ni  chum  fas  is 
neairt  an  Aobhair  'nar  measg.  Bha,  ma  tha,  an 
aon  iarraidh  's  an  aon  urnuigh  air  an  fheasgar 
so,  se  sin  gum' biodh  a'  Ghaidhealtachd  uile  air 
a  h-iir  bheothachadh,  agus  gum  biodh  sear- 
monachadh  an  t-Soissjeil  na  mheadhon  eifeach- 


4        FACAL  MU'N  ARD-SHEANADH— MINISTREAI.ACHD  AN  FHACAIL 


dach  a  chum  slainte  do  na  h-uile.  Am  measg 
chaich  labhair  Gaidheal  ainmeil — chan  'eil  n'as 
ainmeile  air  an  t-saoghal  an  diugh  na  dhreuchd 
fhein  na  e — Sir  D.  Y.  Camashron,  R.  A.  Labhair 
esan  air  buadhan  nan  Gaidheal  is  air  bean- 
nachdan  na  Gaidhealtachd  agus  air  blasd  ar 
cainnt  is  air  grinneas  ar  canain  agus  mar  a  tha 
ar  sluagh  airidh  air  gum  biodh  cothrom  aig 
gach  aon  air  gabhail  ri  gradh  is  slainte  Chriosd 
agus  gum  bidh  toradh  so  ri  fhaicinn  ann  am 
beatha  na  h-Eaglaise  agus  na  rioghachd  uile, 
tuath  is  deas.  Thug  Gaidheal  eile,  fear  ciuil 
ainmeil  an  Dun-eideann — Mgr  Rob  MacLeoid 
— seachad  oraid  air  ceol  is  fuinn  nan  sailm  is 
laoidhean  Gaidhlig,  a  leigeil  fhaicinn  cho  binn 
is  cho  freagarrach's  tha  na  fuinn  so  ann  a  bhi 
togail  an  anam  an  airde  ann  an  cliu  taitneach 
do  Dhia.  Chan  'eil  n'as  binne  's  n'as  taitniche 
ann,  thuirt  e  ruinn  ;  agus  dhearbh  e  sin  le  bhi 
seinn  moran  dhiubh.  Nochd  e  mar  sin  do'n 
mhor  choimhthional  eadar  Ghoill  is  Ghaidheil 
an  ionmhas  spioradail  a  tha  'nar  measg-ne  mar 
Ghaidheil.  Chord  na  fuinn  thiamhaidh  is  thait- 
neach  so  air  leth  maith  ri  muinntir  an  taobh- 
deas  ;  cha  mhor  gun  creideadh  iad  gu  robh  a 
leithid  de  shraoibhreas  ciiiil  spioradail  againne 
naar  Ghaidheil  idir.  'Se  thuirt  caraid  'sa  bhaile 
mhor  rium — agus  tha  cuid  'sa  bhaile-mhor  a 
tha  smaoineaehadh  nach  'eil  daoine  air  an 
t-saoghal  a  tha  cho  eolach  is  cho  fiosraichte 
riu  fhein — 'se  thuirt  e  rium  agus  sinn  a  tighinn 


dhachaidh  air  an  treine  air  la-ar-na-mharach  : 
"  Cha  chreidinn  e,  mur  b'e  gu  'n  cuala  mo 
chluasan  e,  gu  robh  a  leithid  a  cheol  agaibh  ; 
cha  chuala mi  leithid  bhorugadh  mi."  "  Seadh," 
arsa  mise,  "  cha  chreideadh."  "  Tha,  ma  tha, 
sean-fhacail  againn  a  tha  cheairt  cho  iongh- 
antach  ris  na  fuinn  Ghaidhlig.  So  aon  fhear 
dhiubh  :  Is  trom  an  eallach  an  t-aineolas.  So 
fear  eile  :  Is  binn  gach  ian  na  dhoire  fhein.  An 
cuala  tu,  ai'sa  mise,  an  rud  a  thuirt  am  madadh- 
ruadh  nuair  a  bha  e  ag  ithe  mal  na  pioba  agus 
a  thug  i  sgriach  aisde  :  Tha  am  biadh  san  ceol 
an  so.  Thug  mo  charaid  suil  orm  agus  cha 
duirt  e  an  corr. 

Tha,  ma  tha,  leabhar  a  tighinn  a  mach  dh' 
aithghearr  fo  shuaicheantas  na  h-Eaglaise,  Ian 
de  na  fuinn  is  de  na  laoidhean  spioradail  so. 
Bidh  e  na  bheannachd  do  na  Gaidheil  'nan 
dachaidhean  is  'nan  ceilidhean.  Is  fhiach  e 
di-beatha  thoirt  dha  nuair  a  thig  e. 

Ann  a  bhi  ag  innse  do  na  cairdean  aig  an  tigh 
beagan  mu'n  Ard-Sheanadh  bu  choir  dhuinn 
facal  a  radh  mu  Ai'd-Theachdaire  an  Righ,  an 
t-uasal  cliuiteach  Seumas  Brunach.  Tha  e-fhein 
na  eildeir  cliuiteach  is  feumail  'san  Eaglais  agus 
na  f  hear-teagasg  'san  Sgoil  Shabaid  air  son  corr 
is  da  fhichead  bliadhna.  Bha  mar  sin  Ian  cho- 
fhaireachdan  aige  ri  teachdaireachd  an  Righ 
chaoimh  ann  a  bhi  guidhe  beannachd  an  Ti  as 
airde,  agus  soirbheachadh  seasmhach,  do'n 
Eaglais.  Calum  Macleoid. 


Ministreakchd  an  Fhacail 


A  N  uiridh  bha  leabhar  ur  air  a  chur  a  mach 
jf-A.fo'n  ainm  so,  Nam  hu  shearmonaiche  mi  ; 
leabhar  anns  a  bheil  searmon  an  t-aon  air  a 
sgriobhadh  le  ceithir  duine  deug,  cuid  dhiubh 
gun  uiread  agus  ceann-teagaisg.  Tha  na  daoine 
a  sgriobh  na  searmoin  so  uile  'n  an  daoine 
ainmeil  ;  G.  K.  Chesterton  ;  Sir  A.  Conan 
Doyle  ;  Sir  Thomas  Horder  ;  Sheila  Kaye- 
Smith  ;  am  Morair  Eoghan  Cecil ;  Sir  Philip 
Gibbs  ;  an  t-Ollamh  Arthur  Thomson  ;  an 
duine  caomh  agus  an  duine  uasal,  Augustine 
Birrell  ;  Bertrand  Russell  ;  agus  feadhainn  eile 
nach  ruig  mi  a  leas  ainmeachadh. 

Theagamh  gu  robh  am  fear  a  chuir  lamh 
anns  an  leabhar  so,  agus  a  thug  air  na  daoine 
so  searmon  an  t-aon  a  sgriobhadh,  theagamh 
gu  robh  e  am  beachd  gu  robh  rud-eigin  aca  ri 
radh  a  b'fheairrd  daoine  eile  a  chluinntinn, 
rud-eigin  nach  cluinnear  uair  air  bith  o  mhin- 
istearan  ann  an  ciibaid.  Tha  sin  ann  an 
tomhas  f ior  ;  tha  crioch  araidh  dhith  fein  aig 
a'  chubaid  ;  tha  iomadh  rud  ann  nach  'eil  e 
freagarrach  do  mhinistearan  a  thoirt  a  steach 
do'n  chubaid,  ged  tha  iiigh  aig  daoine  annta 
agus  ged  b'  fheairrd  iad  an  tuilleadh  eolais 
fhaotainn  umpa. 

Ach  ma  bha  am  fear  a  chruinnich  na  sear- 
monaichean  so   air   an  aon  tom  an  diiil    gu'n 


leigeadh  iad  a  mach  uapa  firinn,  no  solus,  no 
gliocas  iir,  nach  'eil  aig  an  t-saoghal  cheana 
tha  eaffal  orm  ffu'n  d'fhuair  e  briseadh-diiil, 
oir  chan  'eil  dad  aca  ri  radh  air  na  ceistean  mora 
air  am  bi  inntinn  mhic  an  duine  a'  cnuasachadh 
na's  mo  na  tha  aig  Cleir  Mhuile. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  seanchas  nan  daoine 
maith  agus  ciallach,  agus  na'n  robh  na  sear- 
moin so  air  an  liubhairt  an  eaglais  Chille- 
Sgumain,  theagamh  nach  bitheadh  uiread 
dhaoine  'nan  cadal  innte  's  a  bhitheas  ann  an 
uair  a  bhitheas  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.,  a'  leudachadh  air  cleachdanna 
nam  Philisteach  agus  air  eachdraidh  righrean 
Israeil. 

Is  ann  aig  G.  K.  Chesterton  a  tha  a'  cheud 
fhacal  ;  mur  bitheadh  aige  ach  aon  searmon 
ri  liubhairt,  tha  e  ag  radh,  is  ann  air  uahhar 
a  labhradh  e,  a  chionn  gur  e  uahhar  am  peacadh 
as  miosa  a  tha  ann,  am  peacadh  a  tha  cur 
eadar  mhic  an  duine  agus  a  bhraithrean,  agus 
a'  cur  eadar  e  agus  Dia.  Is  ann  do'n  t-seann 
eaglais  Naomh  Choitchionn  a  bhuineas  G.  K. 
Chesterton  ;  a  dh'  aindeoin  ghisreagan  d'a 
bheil  an  eaglais  sin  a'  toirt  gniiis  tha  i  daonnan 
glic  is  seasmhach  a  thaobh  nadur  mhic  an  duine, 
agus  ceart  ann  a  bhi  teagasg  gur  e  uabhar  aon 
de   na  peacaidhean  mharbhtach,   agus   gur   e 


MINISTREALACHD  AN  FHACAIL 


irioslachd  toiseach  agus  nieadhon  agus  ceann- 
deiridh  na  naomhachd. 

Tha  dochas  aig  Sir  A.  Conan  Doyle  gu'n 
gabh  an  saoghal  fhathast  ri  teagasg  nan  daoine 
ris  an  abrar  spiritualists,  foillseachadh  ur  a  tha 
OS  cionn  inntinnean  na  nior-chuideachd,  a  cha 
tha  cho  fior  agus  cho  soilleir  dha  f^in  ri  solus 
na  greine.  Dh'  fhairtlich  e  orni  riamh  greim 
ceart  fhaotainn  air  spiritualism,  no  thuigsinn 
ciod  an  doigh  anns  a  bheil  e  a'  toirt  dearbhachd 
do  dhaoine  a  thaobh  staid  nam  niarbh,  ach  air 
a  shon  sin  tha  fhios  agam  gu  bheil  ceudan  de 
dhaoine  as  geire  inntinn  agus  as  glice  agus  as 
naoimhe  na  mi  fein  a'  creidsinn  ann,  agus  mar 
sin  cha  bu  mhaith  leam  a  ghabhail  orm  fein  a 
radh  nach  'eil  anns  an  rud  ach  mealladh  is 
mealltaireachd.  Is  e  an  gliocas  dhuinn  a  radh 
uime  mar  thubhairt  Gamaliel,  ina's  ann  o 
dhaoine  a  tha  a'  chomhairle  so,  no  an  obair  so, 
tilgear  bun  os  cionn  i,  ach  ma's  mm  o  Dhia  a  tha 
i,  chan  urrainn  duibh  an  cur  fodha,  air  eagal  gu'm 
faighear  sibh  a'  cogadh  an  aghaidh  Dhe. 

Tha  Dia  a'  labhairt  an  diugh  fhathast  cho 
cinnteach  's  a  labhair  e  o  shean  ;  anns  an 
linn  so  tha  eolas  a'  meudachadh  ann  an 
doighean  agus  ann  an  tomhas  nach  creid- 
eadh  na  h-aithrichean  ;  fo'n  cheasnachadh  a 
tha  mac  an  duine  a'  deanamh  cho  diorrasach 
air  a'  chruthachadh,  air  na  neamhan  agus  air  an 
talamh  agus  air  an  fhairge,  tha  mile  diomh- 
aireachd  a  bha  folaichte  roimhe  so  a  nis  air 
an  deananih  foUaiseach,  air  chor  agus  gu'm 
biodh  e  dana  do  dhuine  air  bith  a  radh  gu 
bheil  leabhar  an  taisbeanaidh  duinte,  agus  nach 
fhaighear  an  tuilleadh  eolais  mu  shaoghal  nan 
spiorad  na  tha  againn  cheana.  Chan  'eil 
leabhar  an  taisbeanaidh  diiinte  ;  bho  chionn 
eadhon  fichead  bliadhna  bhriichd  eolas  is  solus 
oirnn  a  thaobh  a'  chruthachaidh  agus  na  beatha 
a  tha  air  uachdar  a  tha  a  cheart  cho  fior  ri 
facal  air  bith  eile  a  labhair  Dia  ri  mac  an 
duine  riamh,  agus  cha  bhiodh  ann  dhuinn  ach 
amaideas  no  faoineas  a  bhi  cogadh  an  aghaidh 
an  t-soluis  sin. 

Chan  'eil  feum  air  bith  ann  do'n  eaglais  dol 
a  chonnsachadh  ris  na  spioradairean,  ma 
dh'fhaodas  mi  am  facal  sin  a  chleachdadh,  no 
idir  idir  toiseachadh  air  an  caineadh  ;  cha 
naimhdean  ach  cairdean  do'n  chreideamh 
Chriosduidh  a  tha  annta,  oir  daoine  air  bith  a 
tha  creidsinn  anns  a'  bheatha  mhaireannaich 
agus  ann  an  saoghal  nan  spiorad,  agus  aig  a 
bheil  iarrtus  air  iad  fein  uidheamachadh  air  son 
an  t-saoghail  sin,  cha  naimhdean  do  Chriosd  iad. 

Tha  aon  bhoirionnach  am  measg  nan  sear- 
monaichean  so.  Sheila  Kaye-Smith,  ach  an  aite 
searmon  ceart  a  dheanamh  i  fein  is  ann  a  tha 
i  a'  trod  ris  na  ministearan  a  chionn  nach  'eil 
iad  'nan  seai-monaichean  cho  mhaith  ri  Pol,  no 
ri  Fenelon,  no  ri  Savonarola.  Obh,  Obh  !  nach 
e  Cleir  Mhuile  agus  Cleir  Latharna  a  dh' 
fheumas    an    casagan    a    theannachadh    m'an 


cruachainn  ma  tha  aca  ri  labhairt  mar  rinn 
Savonarola.  Agus  ged  is  maith  a  sgriobhas  a' 
bhean-uasal  Sheila  Kaye-Smith  fhein,  nach 
iomadh  peann  a  chagnas  i  m'an  sgriobh  i 
coltach  ri  Homer  ! 

Saoilidh  am  fear  a  tha  'na  thamh  gur  e  a 
lamh  fein  as  fhearr  air  an  stiiiir  ;  sin  mar  tha 
an  saoghal  ris  na  ministearan  ;  neo-ar-thaing 
nach  innsear  dhaibh  gu  bheil  iad  bochd  is 
truagh  is  anfhann,  agus  gu'n  comhairlichear 
dhaibh  an  sabh  ud  no  an  sabh  ud  eile  a  chur 
'n  an  teagasg,  ach  'nuair  a  theid  an  comhairliche 
e  fein  do'n  chiibaid  agus  a  thoisicheas  e  air 
leasan  a  thoirt  do'n  mhinistir  bhochd  is  anfhann, 
chithear  nach  fhearr  an  gille  Shiar  na'n  gille  Shear. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  beagan  de'n  fhirinn 
anns  na  tha  am  boirionnach  ag  radh  mu'n 
t-searmonachadh  bhochd  a  chluinnear  an  diugh. 
Tha  gu  leor  de  shearmonachadh  maith  agus  de 
shearmonachadh  tiirail  agus  de  shearnion- 
achadh  spioradail  anns  an  eaglais  an  diugh, 
ach  tha  tuilleadh  's  a  choir  de'n  t-seorsa  eile 
innte  cuideachd.  Tha  iomadh  aobhar  a' 
comh-oibreachadh  maille  ri  cheile  air  a  shon 
sin,  ach  is  e  am  priomh  aobhar  nach  'eil  urram 
no  iighdarras  aig  ministrealachd  an  Fhacail  ann 
an  siiilean  an  t-sluaigh  mar  bha  aig  minis- 
trealachd an  Fhacail  uair-eigin.  Tha  barrachd 
de'n  choir e  aig  an  t-sluagh  na  tha  aig  na 
ministearan.  Gheibh  an  sluagh  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  an  seorsa  cleire  as  toigh  leo  agus 
a  tha  iad  a'  toilltinn. 

An  la  roimhe  bha  mi  a'  bruidhinn  ri  bancair  a 
tha  'na  f  hoirbheach  anns  an  eaglais  ;  am  measg 
rudan  eile  air  an  tug  sinn  tarruing  thug  sinn 
tarruing  air  sgireachdan  falamh  a  bha  anns  a' 
choimhearsnachd,  agus  air  ministearan  son- 
raichte  a  fhreagradh  orra.  "  Bhithinn  coma  co 
dhiu  a  tha  ministear  maith  no  dona  air  searmon- 
achadh,"  ars'  esan,  "  na'm  biodh  e  maith  air 
oibreachadh  na  sgireachd,  maith  air  tadhall  air 
daoine,  agus  maith  mar  f hear-diithcha. "  Sin 
.  agad  sin  ;  b'  fhearr  leis  e  bhi  maith  air  fritheal- 
adh  bhord  seach  e  bhi  maith  ann  am  ministreal- 
achd an  Fhacail.  Agus  tha  uiread  bhord  ann 
ri  frithealadh  dhaibh  an  diugh  anns  a  h-uile 
sgireachd,  agus  uiread  chiiirmean  is  dibhearsoin 
a  dhith  orra  uile,  's  gu'm  feum  a  h-uile  ministear 
glic  a  bhi  'na  fhaicill  nach  deanar  gille- 
frithealaidh  dheth  ;  gille-frithealaidh  a  bhios 
a'  cosd  iiine  air  nithean  anns  nach  'eil  buan- 
nachd  do  rioghachd  Dhe. 

Tha  e  ceart  gu'm  biodh  ministear  'na  fhear- 
duthcha  maith  ;  gu'm  biodh  e  daonnan  a'  dol 
am  measg  an  t-sluaigh,  a'  tadhall  air  bochdan 
is  daoine  tinne  a  h-uile  seachduin,  agus  gu'm 
biodh  e  toileach  a  lamh  a  chur  ann  an  gnothuch 
feumail  air  bith  as  leth  a  shluaigh,  ach  ma  ni 
e  dearmad  air  ministrealachd  an  Fhacail,  no 
ma  leigeas  e  le  driop  an  t-saoghail  tiormachd  is 
fuachd  is  anfhannachadh  a  chur  anns  a'  chuid 
sin    d'a    mhinistrealachd,    cha    ruig    e    a    leas 


6 


MINISTREALACHD  AN  FHACAIL— ANNS  A'  CHATHAIR 


fiughair  a  bhi  aige  gu'ni  bi  a  shaothair  air  a 
beannachadh  gu  spioradail. 

Ach  tha  e  na's  duiliche  ministrealachd  an 
Fhacail  a  choimhlionadh  an  diugh  na  bha  e 
riamh  roimhe  ;  chan  'eil  an  t-ughdarras  aig  a' 
Bhiobull  thairis  air  inntinnean  dhaoine  a  bha 
aige  uaireigin  ;  chan  'eil  eolas  aca  air  Htir  an 
Sgriobtuir  ;  chan  'eil  am  Biobull  air  a  leughadh 
ann  an  teaghlaichean  is  eha  chluinn  moran 
dhaoine  e  ach  an  corra  Dhomhnach  a  theid  iad 
do'n  eaglais  ;  a  thuilleadh  air  sin  tha  eolas  iir 
is  beachdan  iira  is  teagasg  iir  air  an  craobh- 
sgaoileadh  cho  saor  agus  cho  farsuing  a  nis  's 
gu'n  do  rainig  iad  eadhon  a'  chlann  a  tha  anns 
a'  sgoil-Shabaid.  Chan  'eil  feum  air  bith  ann 
do  mhinistear  a  chluasan  no  shiailean  a  dhiinadh 
an  aghaidh  an  eolais  iiir  sin,  no  leantuinn  air 
labhairt  ri  daoine  mar  ffu'm  biodh  iad  fhathast 


anns  an  t-seachdamh  linn  deug  ;  ma  ni  e  sin 
cha  bhi  ann  ach  guth  a'  glaodhach  anns  an 
fhasach.  Feumaidh  e  bhi  'n  a  mhac  an  t-soluis 
e  fein,  agus  labhairt  ri  daoine  eile  mar  ri  clann 
an  t-soluis  ;  feumaidh  e  feuchainn  cho  mhaith 
's  is  urrainn  e  ri  eolas  na  slighe  a  thoirt  do  'n 
oigridh  gu  sonraichte,  agus  an  creideamh  a 
steidheachadh  air  bunaitean  nach  failnich  an 
deidh  laimhe. 

Ministear  air  bith  a  ni  sin  feumaidh  e  aire 
a  thoirt  do  leughadh  agus  do  theagasg,  agus 
aire  a  thoirt  d'a  shearmoin.  Dh'  fhalbh  an 
latha  anns  am  faodadh  ministearan,  le  iigh- 
darras  na  sagartachd,  beachdan  aineolach  is 
nithean  gun  tiir  a  thoirt  do  choimhthional  ann 
an  ainm  an  Tighearna. 

Co  an  searmonaiche,  air  an  iarr  a  shliiagh 
aran,  a  hheir  dhaihh  clack  ? 


Anns  a'  Chathair 


A 


NN  an  te  de  na  sailm  (102)  tha  an  Salniadair 
ag  radh, 

Tha  mi  cosmhuil  ri  pelican  an  fhasaich  : 

Tha  mi  mar  chailleach-oidhche  nan  laraichean  hriste. 

Thainig  am  facal  so  gu  m'  inntinn  an  la  roimhe 
agus  mi  a'  leughadh  anns  a'  phaipeir  oraid  a 
bha  air  a  toirt  seachad  leis  an  Ollamh,  Tearlach 
Sarolea,  mu'n  atharrachadh  a  tha  a'  tighinn  air 
Albainn  agus  air  sluagh  na  h-Alba.  Bha  fhios 
agam  gur  e  briathran  an  Ollaimh  a  bha  mi  a' 
leughadh,  ach  fad  na  h-iiine  bha  mi  a'  cluinntinn 
guth  na  caillich-oidhche,  cailleach-oidhche 
nan  laraichean  briste,  a'  caoineadh  cor  na 
duthcha  agus  a'  caoidh  nan  laithean  a  dh' 
fhalbh. 

Tha  eagal  air  gu  bheil  Albainn  air  dol  bhuaith 
gu  buileach  ;  gu  bheil  na  daoine  air  fas  1:  g,  is 
aotram  'n  an  inntinn,  is  soghail  'n  an  cleach- 
danna  ;  nach  'eil  iad  cho  laidir,  no  cho  uasal,  no 
cho  neo-eisiomaileach,  's  a  b'abhaist  daibh  'a 
bhith,  agus  nach  fhada  gus  an  sealbhaich  na 
h-Eirionnaich  an  diithaich  so  mar  oighreachd. 
Bha  cho  beag  de  dhochas  ann  an  seanchas  an 
duine  a  thaobh  Albainn's  gu'mbudiith  dha  cadal 
na  h-oidhche  a  thoirt  bhuam  na'n  robh  mi  'ga 
chreidsinn,  ach  cha  do  chreid  mi  facal  dheth. 

Sin  agad  an  seorsa  seanchais  a  chluinneas  tu 
gun  sgur  an  uair  a  bhios  daoine  a'  coimeas  nan 
laithean  a  dh'  fhalbh  ris  an  am  a  tha  lathair. 
Bha  a  h-uile  ni  na  b'  fhearr  na  tha  iad  an  diugh 
ann  an  linn  do  sheanar,  agus  ann  an  laithean 
t-oige  ;  bha  an  t-sid  na  b'  fhearr  ;  am  feur  na 
bu  ghuirme  ;  am  buntata  na  bu  tiorma  ;  an 
sgadan  na  bu  reamhra  ;  fir  na's  laidire  agus 
mnathan  na's  modhaile. 

Sin  an  seanchas  a  bhiodh  aig  Salah  mac 
Arphacsaid,  ogha  Noah,  an  uair  a  thigeadh  an 
oigridh  air  cheilidh  air,  air  comhnard  Shinair  ; 
bhiodh  e  ag  radh  nach  robh  a'  ghineal  og  idir 


cho  laidir  no  cho  fad-shaoghalach  ris  a'  ghineil 
a  bha  romhpa,  agus  mar  dhearbhadh  air  a'  chuis 
dh'  abradh  e  gu  robh  athair-san  beo  ceithir  cheud 
agus  tri  bliadhna  an  deidh  dha  esan  a  ghintinn. 

Bu  mhaith  a  thuig  Sir  Walter  Scott  inntinn  is 
doighean  dhaoine,  is  cha  deachaidh  so  seachad 
air  na's  mo  na  chaidh  rudan  neonach  eile.  Ann 
am  fear  d'a  leabhraichean,  Tohar  an  Naoimh 
Ronan,  gheibhear  an  comhradh  so, — "  Thainig," 
arsa  Peregrine  Touchwood,  "  barrachd  athar- 
rachaidh  air  an  diithaich  so  an  taobh-a-stigh  de 
dha  fhichead  bliadhna  na  thainig  air  iom- 
paireachdan  mora  na  h-aird  an  Ear  ann  an 
ceithir  mile  bliadhna." 

"■Agus  car  son  nach  tigeadh,"  ars'  am  fear- 
lagha,  nach  maith  an  rud  atharrachadh  ma  tha 
e  chum  feuma." 

"  Chan  'eil  iad  gu  feum,"  arsa  Peregrine ;  "  an 
uair  a  dh'  fhag  mise  tir  mo  dhiithchais  a'm'  oige 
bha  an  tuath  gun  teagainh  bochd,  cho  bochd  ris 
na  radain,  ach  ma  bha,  bha  iad  onorach  is 
dichiollach,  a'  giiilan  an  crannchur  anns  an  t- 
saoghal  so  gu  faighidinneach  agus  a'  sealltuinn 
ris  an  t-saoghal  eile  le  dochas.  Ach  a  nis  chan 
'eil  annta  ach  siiil-sheirbhisich,  gach  fear  dhiubh 
agus  a  shiiil  air  an  uaireadair  a  h-uile  deich 
mionaidean,  air  eagal  gu'n  oibrich  e  leth  mionaid 
air  son  a  mhaighstir  na's  fhaide  na  ruigeas  e  a 
leas.  .  .  .  Tha  cuimhne  agam-sa  air  la  eile  ; 
tha  cuimhne  agam  gu'm  biodh  e  'n  a  rud 
tamailteach,  uair-eigin  de'n  t-saoghal,  na'n 
gabhadh  duine  tasdan  nach  do  choisinn  e,  ach 
an  diugh,  na'n  tuiteadh  am  bata  as  mo  laimh, 
agus  gu'n  togadh  balach  e,  bu  bheag  aige  taing, 
mur  faigheadh  e  paigheadh  air  a  shon.  .  .  .  Chan 
fhearr  Albainn  an  diugh  na  Babel  f hein.  Anns 
na  h-Innsibh  far  an  do  chuir  mise  seachad  a' 
chuid  as  fhearr  de  mo  bheatha  cha  ruith  daoine 
ma  tha  cothrom  aca  air  suidhe  ;  cha  labhair 
iad  ma  dh'  fhaodas  iad  a  bhi  'n  an  tosd  ;   chan 


" 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ith  iad  mur  bheil  acras  orra,  is  chan  61  iad  mur 
bheil  tart  orra, — ach  an  so  tha  an  t-aon  stioram- 
staruni  aig  daoine  gun  sgur,  'nan  ruith  is  'nan 
leum,  gun  fhois  gun  tiobradh,  o  mhoch  gu  dubh, 
gun  a  leithid  de  ni  agus  stoldachd  no  steidheal- 
achd  annta." 

Nach  saoil  mi  gu  bheil  mi  a'  cluinntinn  a' 
Bhaillidh  agus  am  Marsanta  Mor  agus  Tom 
Eliot,  agus  iad  a'cur  sios  air  an  dole,  aig  ceann  a' 
Phost  Office  an  Cille-Sgumain  ! 

An  ni  a  bha  ann,  is  e  an  ni  sin  fein  a  bhitheas 
anil  ;  agus  an  ni  sin  a  rinneadh,  is  e  an  ni  sin 
fein  a  nithear  ;  agus  chan  'eil  ni  sam  bith  nuadh 
fo'n  ghrein. 

Chan  'eil  mise  a'  faicinn  comharra  air  bith  gu 
bheil  an  saoghal  uile,  no  Albainn  gu  son- 
raichte,  a'  fas  na's  miosa  na  bha  iad,  no  gu 
bheil  iad  a'  dol  air  an  ais  ann  an  doigh  air  bith. 
Ma  cheasnaicheas  mi  m'  fhaireachduinn  a 
mhain  saoilidh  mi  gu'm  b'  fhearr  na  seann 
doighean  agus  na  seann  fhasain  agus  na  seann 
chleachdanna  na'n  fheadhainn  ur,  ach  mo 
cheasnaicheas  mi  mo  reuson  agus  mo  choguis 
feumaidh  mi  aideachadh  gu  bheil  a'  chlann  air 
thoiseach  air  an  aithrichean  anns  gach  doigh  ; 
agus  nach  leir  dhomh  gu  bheil  barrachd 
sheotachan  'n  am  measg  na  bha  ann  riamh. 

An  uair  a  chluinneas  tu  daoine  a'  deanamh  a' 
ghearain  so,  a'  caoidh  gu  bheil  an  duthaich  a' 
dol  air  a  h-ais,  agus  gu  bheil  an  oigridh  a' 
call  an  duinealais,  faodaidh  tu  bhi  cinnteach  gu'n 
criochnaich  iad  aig  an  dole,  agus  gu'n  abair  iad 
gur  e  sin  lagh  as  miosa  a  chaidh  a  dheanamh 
riamh  anns  an  rioghachd  so. 

Tha  e  furasda  gu  leor  sid  agus  so  a  radh  an 
aghaidh  an  lagha  so  ;  daoine  leasg  ainmeachadh 
air  an  ainm  a  tha  tarruing  as  an  uair  'nach 
ruigeadh  iad  a  leas,  air  neo  a  dh'  fhaodadh  a  bhi 


ag  obair ;  ach  air  a  shon  sin  uile,  tha  an  lagh 
so  'n  a  dhearbhadh  laidir  gu  bheil  coguis  na 
diithcha  a'  fas  na's  criosdaile  na  bha  i,  agus  gu 
bheil  daoine  deonach  air  an  dleasdanas  a 
dheanamh  r'an  coimhearsnaich.  A  dh'  aindeoin 
gach  gearain  a  bhios  sinn  a'  deanamh  mu  na 
laghanan  lira  a  thatar  a'  deanamh  anns  an 
rioghachd  so  an  diugh  cha  bhiodh  iad  air  an 
deanamh  idir  mur  b'e  gu  bheil  coguisean 
dhaoine  air  an  soillseachadh  le  teagasg  Chriosd 
mar  nach  robh  iad  ceud  bliadhna  roimh  so.  " 

Cha  mho  a  tha  mise  a'  creidsinn  gu  bheil 
daoine  a'  tuiteam  air  an  ais  a  thaobh  creidimh 
is  diadhaidheachd.  Tha  fasain  fhollaiseach  na 
diadhaidheachd  ag  atharrachadh  ;  sin  uile  e. 
Tha  a'  cheart  uiread  de  thoraidhean  siochail  na 
fireantachd  ri  fhaicinn  anns  a'  Ghaidhealtachd 
an  diugh  fhathast  's  a  bha  innte  riamh,  agus 
theagamh  barrachd.  Tha  fhios  agam  gu  bheil 
moran  dhaoine  ann  nach  creid  facal  dheth  so, 
ach  mur  creid,  chan  'eil  arach  air.  Tri  fichead 
bliadhna  air  ais  bha  briathran  air  an  labhairt 
agus  nithean  air  an  deanamh  an  ainm  a' 
chreidimh  Chriosduidh  anns  a'  Ghaidhealtachd 
nach  b'urrainn  tachairt  an  diugh.  Cha  b' 
urrainn,  a  chionn  gu  bheil  sgoil  a'  meudachadh 
eolais,  agus  a'  teagasg  do  dhaoine  an  tiir  agus 
an  tuigse  fein  a  chleachdadh  gun  bhi  fo  smaig 
aig  daoine  eile.  Do  dhuine  air  bith  aig  a  bheil 
deidh  air  Criosd  a  leantuinn,  agus  air  a  bhi  'n  a 
Chriosduidh  ann  an  da  rireadh,  tha  da  ni  ann 
a  tha  do-sheachainte  feumail,  gu'm  biodh  a 
choguis  air  a  geurachadh  le  teagasg  an  Tiom- 
naidh  Nuaidh,  agus  gu'm  biodh  misneach  aige 
leigeil  le  comhairle  a  chridhe  fein  seasamh.  An 
duine  a  ni  sin,  theagamh  gu'n  teid  e  cearr  air 
uairean,  ach  an  duine  nach  dean,  tha  e  cearr  fad 
na  h-iiine. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


THA  proitseach  balaich  ann  an  sgoil  Chille- 
Sgumain,  ogha  do  Sheumas  Diiirach,  a  tha 
cho  mhaith  air  ceistean  's  gu  bheil  diiil  aig  a 
sheanair  gu'm  bi  e  'n  a  dhuine  ainmeil  fhathast. 
Tha  e  cho  clis  ag  oibreachadh  cheistean  's  ged 
robh  earball  de'n  sgoil-dhuibh  aige.  Thoir  dha 
ceist  de'n  t-seorsa  so  is  bidh  i  ullamh  aige  m'  an 
gann  a  thairngeas  tu  d'anail,  is  bidh  i  cho  ceart 
cinnteach  's  ged  bhiodh  i  air  a  tionndadh  a  mach 
a  muileann-cunntais. 

Ma  tha  y  =  ?,  dearbh  ffu  bheil 
6     y 

Sa^+5ab+2b^  _  3x^  +  5xy  +  2y^ 
3a^  -  5ab  +  2b^  ~  Sx^  -  5xy  +'2y^' 

Ach  air  a  shon  sin,  chan  'eil  anns  a'  bhalach 
ach  am  bumalair  ;  chan  'eil  smod  tiiir  ann,  agus 
a  dh'  aindeoin  dochas  a  sheanar,  tha  eagal  orm 
nach    bi    e    gu    brath    ainmeil.     Is    maith    an 


gnothuch  ma  ni  e  a  rathad  fhein  aims  an  t- 
saoghal  gun  bhi  'n  a  uallach  air  daoine  eile. 

An  deidh  dha  te  de  na  ceistean  ud  a  dheanamh, 
na'm  feoraicheadh  tu  dheth  ciod  an  taobh  a 
bha  a'  ghaoth,  cha  bhiodh  fhios  aige  ;  ged  bha 
e  shios  aig  a'  chladach,  aig  uair  na  cluiche, 
comhla  ris  na  balaich  eile  a  bha  dol  air  snamh, 
cha  b'urrainn  e  innseadh  co  dhiubh  a  bha  ann 
lionadh  no  traghadh.  Chan  aithnich  e  clach- 
aran  seach  uiseag,  no  faoileann  seach  stearneal, 
agus  na'm  faighnicheadh  tu  dheth  co  ris  a  tha 
guileag  na  feadaig  coltach,  cha  bhiodh  fhios  aig 
na's  mo  na  tha  aig  paisde.  Ach  tha  e  coig 
bliadhna  deug  ;  air  a  thogail  air  an  diithaich, 
far  a  bheil  coin  is  oran  eun,  gaoth  is  grian  is 
adhar,  muir  is  monadh,  'n  a  shiiilean  agus  'n  a 
chluasan,  o  dh'  eireas  e  gus  an  laigh  e. 

An  uair  a  gheibh  e  a  mach  a  dh'iasgach 
gabhaidh  e  greim  air  a'   cheann  chearr  de'n 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ramh,  no  air  a'  cheann  chearr  de'n  t-slait- 
iasgaich,  cho  deas  ris  a'  cheann  cheart  ;  ma 
theid  e  a  bheartachadh  eich  's  a  chur  na  cartach 
air,  tha  e  an  t-aon  rud  dha  co  dhiu  a  tha  ceann 
an  eich  ris  a'  chairt  no  earball ;  agus  ni  e  an 
stalcaireachd  sin,  chan  ann  a  chionn  nach  fhaca 
e  daoine  eile  a'  beartachadh  eich  no  ag 
iomrani,  fichead  is  ceud  uair,  ach  a  chionn  nach 
'ail  sniod  tiiir  ann  gu  nadurra.  Ged  tha  e  cho 
maith  air  na  ceistean  agus  air  cur  fhigearan 
troimh  'n  ruidhle,  chan  'eil  gluasad  no  beatha 
idir  's  an  eanchainn  aige.  Ni  e  an  cleas  a  dh' 
ionnsaich  am  maighstir-sgoil  dha  mar  gu'm 
biodh  moncaidh  'g  a  dheanamh,  ach  cha  dean 
e  dad  gu  brath  air  urrainn  f hein,  no  as  a  cheann 
fhein. 

Ach  air  a  shon  sin  tha  fiughair  aig  a  sheanair 
gu'm  bi  e  'n  a  sgoilear  sonraichte  fhathast  agus 
'n  a  dhuine  ainmeil.  Ach  mur  bi  ogha  Sheu- 
mais  Dhiiiraich  ainmeil,  tha  balach  eile  ann  an 
sgoil  Chille-Sgumain  a  bhitheas,  ged  nach  'eil 
esan  maith  air  ceistean  idir,  co  dhiii  air  na 
ceistean  a  bhios  ann  an  leabhraichean,  ach  nach 
tachair  ort  gu  brath  tuilleadh  an  deidh  dhuit  an 
sgoil  fhagail. 

Is  aithne  dhuit  an  seoi'sa,  a  leughadair. 

Ma  theid  ceathrar  dhaoine  as  an  Ohan  do 
Ghlaschu,  an  uiread  so  de  mhlltean,  a'  coiseachd 
an  uiread  so  de  uairean  a  h-uile  latha  {air  uairean 
hidh  e  air  a  radh  gu  robh  iad  as  an  leintean  no 
gu  robh  an  casan  ris),  ciod  an  itine  a  ghabkas  naoi 
daoine  a  dhol  a  lonar-nis  do  Dhuneideann,  etc.  ? 

Theagamh  nach  'eil  mi  'ga  toirt  dhuit  ceart, 
ach  sin  an  seorsa. 

Dheanadh  ogha  Sheumais  Dhiiiraich  a'  cheist 
so  ann  an  leth  mionaid,  ach  cha  do  rinn  am 
balach  eile  uiread  agus  feuchainn  rithe. 
Sgriobh  e  ann  an  litrichean  mora  air  a'  phaipeir, 

Cha  ruig  iad  Dun  -  eideann  comhla  gu  brath ; 
siochaidh  fear  dhiubh  a  chas,  is  gabhaidh  fear  eile 
an  daorach  an  Dailchuinidh,  is  stadaidh  fear  eile  an 
tigh  nam  bochd  am  Bail-an-luig  ;  is  co  as  urrainn 
a  radh  ciod  an  iiine  a  ghabhas  iad  ? 

Sin  a  tha  toirt  orm-sa  a  chreidsinn  gu  bheil 
rud  anns  a'  bhalach  so  nach  'eil  ann  an  ogha 
Sheumais  Dhiiiraich  ;  an  uair  a  bhios  ogha 
Sheumais  Dhiiiraich  'n  a  chleireach  no  'na 
stitibhard  air  te  de  bhataichean  Mhac  Brayne 
bidh  am  balach  so  a  mach  anns  na  h-Innsibh  an 
Ear,  a'  riaghladh  pios  diithcha  na's  mo  na 
siorramachd  Earra-Ghaidheal,  a'  cumail  suas 
cliii  agus  ughdarras  Bhreatuinn  le  ceartas  a 
riaghlaidh,  agus  'g  a  dheanamh  sin,  chan  ann  a 
chionn  gu  bheil  inntinn  chlis,  no  inntinn  laghail, 
no  inntinn  shubailte  aige,  a  tha  maith  air 
ceistean,  ach  a  chionn  gu  bheil  tur  nadurra  ann, 
agus  gu  bheil  e  a'  tuigsinn  a  cho-chreutairean. 

Ach  tha  an  t-am  agam  innseadh  car  son  a  thug 
mi  tarruing  air  na  balaich  agus  air  na  ceistean. 
Thug,  a  chionn  gu  bheil  mi  a'  fas  sgith  de  bhi 
cluinntinn  dhaoine  ag  radh  nach  'eil  rud  idir 


anns  an  sgoil  as  f  hearr  a  gheuraicheas  inntinnean 
cloinne,  no  theagaisgeas  dhaibh  am  briathran  a 
thomhas  agus  reusonachadh  gu  ceart,  na 
mathematics.  Chan  'eil  mi  a'  creidsinn  sin  idir. 
Na  laghanan  leis  am  bi  thu  ag  oibreachadh  ann 
am  mathematics,  agus  an  reusonachadh  a  bhios 
tu  a'  deanamh  ann,  cha  teid  iad  fada  leat  an 
uair  a  dh'  fheumas  tu  oibreachadh,  chan  ann  le 
figearan  marbh  ach  le  daoine  beo  ;  daoine  a  tha 
a  ghne  fein  agus  f  hailingean  fein  anns  gach  aon 
dhiubh,  daoine  a  tha  an  cridheachan  air  am 
folach  bhuait  ach  air  am  feum  eolas  a  bhi  agad 
aig  a'  cheart  am. 

Cuimhnich  nach  'eil  mi  a'  cur  mathematics  no 
reusonachadh  mathematical!  an  suarachas  ; 
chan  'eil  idir,  ach  tha  mi  ag  radh  nach  'eil  solus 
an  reusonachaidh  sin  a'  dol  fada  leat  ann  ad 
bheatha.  Ann  an  saoghal  nam  mathematics 
tha  gach  ceum  a'  leantuinn  ceum  eile  is  chan 
urranin  duit  gluasad  idir  gus  a  bheil  thu  a' 
faicinn  romhad,  ach  chan  ann  mar  sin  a  tha  ar 
beatha.  Feumaidh  tu  gu  trie  t'  inntinn  a 
dheanamh  suas  ged  nach  leir  dhuit  na  tha  air 
thoiseach  ort  ;  feumaidh  tu  fichead  rud  as  a 
bheil  thu  cinnteach  agus  da  fhichead  rud  as 
nach  'eil  a  chumail  fa  chomhair  t'inntinn  aig 
an  aon  am,  'gan  tomhas  an  aghaidh  a  cheile, 
agus  an  sin  dol  air  t-aghaidh  ;  ach  a  dh'aindeoin 
cho  laidir  's  'ga  bheil  do  thiir  agus  cho  ceart 
's'ga  bheil  do  bhreitheanas,  faodaidh  tu 
mearachd  a  dheanamh  an  deidh  a  h-uile  rud. 
Sin  agad  ar  beatha,  ach  chan  urrainn  a  leithid 
sin  tachairt  ann  an  saoghal  nam  mathematics. 
Anns  an  t-saoghal  anns  a  bheil  mathematicians 
ag  oibreachadh  agus  a'  reusonachadh,  cha  bhi 
daoine  a'  gabhail  n^.  daoraich,  no  a'  siochadh 
an  aobrann,  no  a'  deanamh  dad  nach  bu  choir 
do  chreutairean  a  tha  fo  lagh  a  dheanamh.  An 
uair  a  dh'  fhagas  coisiche  lonar-nis  leanaidh  e 
air  gun  dol  a  null  no  nail  gus  an  ruig  e  a  cheann- 
uidhe  an  Dun-eideann,  agus  faodaidh  muinntir 
Dhun-eideann  sealtainn  air  a  shon  aig  an  uair 
a  dh'innis  na  mathematicians  dhaibh  a  ruigeadh 
e,  cho  cinnteach  's  ged  b'ann  ris  a'  ghealaich  no 
ri  comet  a  bha  iad  a'  feitheamh. 

Ach  chan  ann  mar  sin  idir  a  tha  ciiisean  anns 
an  t-saoghal  eile  ris  am  mo  ar  gnothuch.  Mur 
gabh  an  coisiche  an  daorach  an  Dail-chuinidh, 
theagamh  gun  stad  e  air  a  thurus  ann  am  Blar 
agus  gu'n  caill  e  ceithir  uaire  fichead,  air  ghaol 
dol  a  dh'  iasgach  air  Loch  Moraig  no  dol  a 
dhannsadh  do'n  Chaisteal  ;  ma  theid  e  seachad 
air  Blar  faodaidh  e  bhi  air  a  mharbhadh  le 
motor  car  m'an  ruig  e  Peairt.  Air  neo  ma 
gheibh  e  a  bheatha  leis  o  na  caraichean  fao- 
diadh  e  inntinn  atharrachadh  agus  a  radh  gu 
bheil  e  sgith  de'n  choiseachd,  agus  an  corr  d'a 
thurus  a  dheanamh  ann  an  carbad-iaruinn. 
Ma  ni  e  sin  cuiridh  e  cearr  a'  cheist  a  rinn 
ogha  Sheumais  Dhiiiraich,  oir  ruigidh  e  Dun- 
eideann  roimh  'n  am. 


< 


Air  8 


93 


Creidimh  an  t-Seann  Duine 


losuA  xiv.  14 


B'E  sin  an  eachdraidh  ghrinn,  an  creideamh  a 
bha  deanamh  sior  fhas.  Bha  Caleb  'n  a 
thoradh  alainn  air  creidimh  eifeachdach.  Bha 
Caleb  ainmeil  air  son  a  chreidimh  'n  a  oige  agus 
na  b'ainmeile  na  sin  air  a  shon  'n  a  shean  aois. 

An  iiair  nach  robh  caleb  fhathast  ach  bg 
tharruing  e  aire  agus  aoigheachd  inntinn 
Mhaois,  an  duine  le  Dia.  An  uair  a  bha 
Maois  air  son  iomradh  earbsach  fhaotainn  air 
cor  na  tire,  agus  bi  cinnteach  gum  bu  mhaith 
leis,  mar  bu  mhaith  leis  a'  h-uile  seanalair, 
iomradh  earbsach  air  staid  dion  na  tire,  agus  a 
chionn  sin  agus  iomadh  aobhar  eile  bha  Caleb 
air  a  thaghadh  mar  aon  dhe'n  chuideachd  a 
b'earbsaich  a  bha  fo  a  laimh  gu  dhol  arannsach- 
adh  na  tire  air  a  shon.  Chan  'eil  teagamh  nach 
robh  an  obair  sin  cho  earbsach  ri  aon  obair  eile 
's  a  b'urrainn  e  chur  an  lamhan  a  luchd-dreuchd, 
agus  tha  e  sealltainn  dhuinn  an  earbsa  a  bha 
aig  Maois  am  fear  sam  bith  a  chuir  e  air  an 
turns.  Is  e  bha  ann  obair  nach  fhaodadh  e 
earbsa  ri  neach  air  bith  ach  ri  duine  le  Dia  ; 
agus  chuir  e  Caleb  air  an  aireamh  do  bhrigh 
"  gun  do  lean  e  gu  h-iomian  an  Tighearna  Dia 
Israel." 

Thaisbean  Caleb  misneachd  a  bha  comhar- 
raichte  an  uair  a  rinn  e  iomradh  do  Mhaois. 
Bha  iad  gu  leir  air  an  aon  bheachd  a  thaobh  na 
nithean  a  chunnaic  iad  ;  ach  bha  aon  ni  a 
chunnaic  Caleb  agus  nach  deidheadh  e  as 
aicheadh  air  chumha  sam  bith  :  chunnaic  e  Dia. 
Chan  fhaodadh  e  beaganas  a  dheanamh  air  a' 
ghealladh  naomh  a  tha  'n  a  f  habhar.  Car  son  ? 
a  chionn  gun  lean  e  an  tighearna  gu  h-iomlan  : 
gmi  robh  e  debnach  a  leantainn  gti  h-iomlan  anns 
a'  chruaidh-chas. 

Nochd  e  umhlachd  a  bha  coinmharraichte. 
Chuir  e  aghaidh  air  an  f  hasach  an  darna  h-uair 
comhla  ris  an  t-sluagh.  Ciod  a  bha  an  sin  ach 
misneachd  mhor  !  aicheadh  mhor  ?  Ach  c'ar 
son  a  rinn  e  sin  ?  Rinn  do  bhria-h  a:un  lean  e  an 
Tighearna  gu  h-iomlan.  Is  ann  air  sgath  a 
speis  do'n  Tighearna  a  chuir  e  e  fein  an  riochd 
cho  iriosal. 

Nochd  e  fialaidheachd  a  bha  comharraichte 
an  uair  a  bha  iad  a'  roinn  an  fhearainn. 
Dh'fhaodadh  e  fois  sean  aois  a  thagar  le  coir. 
Gidheadh,  is  aill  leis  greimeachadh  ri  gealladh 
an  duine  le  Dia.  Cha  riaraich  e  ach  Hebron, 
ceann-uidhe  nan  anakim.  Tha  an  Tighearna  a 
cumail  dileas  ri  ghealladh  agus  Caleb  a'  seasamh 
dileas  ris  an  iomradh  a  thuff  e  steach  air  an 


duthaich.  Tha  e  cho  6g  aig  aois  cheithir 
fichead  's  a  coig  's  a  bha  e  aig  aois  dha  f  hichead 
Agus  c'ar  son  ?  Bha  a  chionn  gun  lean  e  an 
Tighearna  gu  h-iomlan.  Bha  e  cumail  a  shuil 
air  Dia  Israel  :  Dia  a'  chmnhnant.  Is  ionnan 
Dia  Israel  is  Dia  Chalbhari. 

Thug  e  iimhlachd  a  bha  tur  iomlan,  leis  an 
uile  chridhe,  gradh  a  bha  leis  an  uile  anam  agus 
dilseachd  da  reir.  Cha  robh  ni  eile  no  ni  bu 
lugha  a  b'urrainn  do  Chaleb  a  thoirt.  Air  son  a 
leithid  sin  chan  'eil  na's  lugha  aig  Dia  na 
meudachadh  neirt  is  deagh  dhochas  is  aoibhneas 
is  oige  shiorruidh. 

Bidh  piseach  air  an  fhirean  choir 
Mar  phailm-chrann  tirar  glas  : 
Mar  sheudar  aird  air  Lebanon 
A'  fas  gu  direach  bras. 

'San  am  am  bi  iad  aosmhor  liath 
Bheir  iad  mor  mheas  a  mach 
Is  bithidh  sultmhor  le  deagh  bhlath 
Dhiubh  sud  gach  uile  neach. 

Tha  sinn  a'  faicinn  gu  bheil  an  creideamh 
beannaichte  so  a'  leantainn  le  bhuaidh  ghras- 
mhor  o  am  na  h-oige  gu  ruig  sean  aois — bheil 
tlachd  is  buaidh  tharruing  leis  a  tha  cosnadh 
fabhar  an  duine  le  Dia. 

Tha  sinn  a'faicinn  gu  bheil  buaidh  araidh  leis 
a  tha  toirt  air  neach  anns  a  bheil  e  a  bhi  lean- 
tainn an  Tighearna  gu  h-iomlan.  Tha  e  toileach 
sin  a  dheanamh.  Ma  theid  aige  air  cha  dean  e 
chaochladh  air  meud  a'  chosguis. 

Tha  sinn  a'  faicinn  cuideachd  gu  bheil  e  toirt 
da-radharc  spioradail  dhasan  aig  a  bheil  an 
creideamh  tabhachdail  so.  Tha  Caleb  agus 
each  air  an  aon  fhacal  a  thaobh  suidheachach 
na  tire  agus  a  thaobh  dreach  agus  cruaidh-chuis 
nam  fearaibh.  Ach  tha  Caleb  a'  faicinn.  mar 
gum  b'ann,  le  fradharc  diamhair  curaidh  a  tha 
leagadh  nan  anakim  'n  an  sleibhtich  air  an 
t-sliabh.  Cha  bu  difir  c'aite  an  i-obh  Israelach 
ann  an  cas  no  cia  lion  aite  'san  robh,  bha  an 
gaisgeach  diamhair  so  ri  ghualainn,  's  a  chor  's 
gun  robh  cha  robh  teagamh  's  a'  chas.  Sin  mar  a 
tha  an  creideamh  beo  gus  an  la  an  diugh.  Is  e 
tha  ann  da-radharc  spioradail  a  tha  faotainn 
sealladh  air  Dia  ann  an  Criosd  an  uair  as 
cruaidhe  an  eigin.  An  iongantach  leat,  is  sin 
mar  sin,  ged  a  bhiodh  e  'n  a  theist  air  Caleb  gun 
robh  e  debnach  an  Tighearna  a  leantain  gu 
h-iomlan  ge  cruaidh  an  cas  ? 

Ach  chaidh  a'  chuis  'n  a  aghaidh.  Cha  robh  e 
'n  a  sgallais  air  a  chreidimh  ged  a  thachair  sin 


^ 


CREIDIMH  AN  T-SEANN  DUINE— ANNS  A  CHATHAlR 


dha.  Tha  rudan  a'  tachart  nach  urrainn  an 
duine  le  Dia  a  leasachadh  air  cho  ionraic  's  ge 
faod  e  bhi.  Agus  an  uair  a  tha  sin  a'  tachart 
chan  aithne  dhomh  nia  tha  ni  eile  as  eginniche 
air  a  spiorad  no  as  cruaidhe  air  a  chreidimh. 
Ach  sheas  an  da-radharc  ud  ris  an  uair  a  b'eigin 
da,  an  dilseachd  do  Dhia,  aghaidh  a  chur  air  an 
fhasach  ud  a  rithisd,  comhla  ri  sluagh  eas- 
uamhail  agus  rag-nihuinealach.  Ach  cruaidh  's 
nlar  a  bha  sin  air  a  chreidimh  is  ann  leis  a  chaidh 
gus  an  do  thill  iad  a  rithisd  gu  Hebron. 

An  sin  sheall  e  nach  d'thainig  failing  air  a 
chreidimh  no  air  a  radarc  spioradail.  An  neart 
a  chreidimh  thasrair  e  a  choir  an  Hebron  mar  a 


gheall  Maois  an  duine  le  Dia  dha  o  chionn  faisg 
air  lethcheud  bliadhna  roimh'n  sud.  Rog- 
hnaich  e  an  gealladh  a  chionn  nach  robh  aite 
eile  ann  a  bha  cho  duilich  ris.  Chan  ann  idir 
na's  laige  a  tha  creideamh  an  duine  le  Dia  a' 
fas  ged  a  tha  bliadhnachan  a'  dol  thairis  air  a 
cheann. 

"  Fathast  tha  mi  cho  laidir  an  diugh  as  a 
bha  mi  'san  la  anns  an  do  chuir  Maois  uaith 
mi." 

"  Rinneadh  uime  sin  Hebron  'n  a  oighreachd  do 
Chaleh,  mac  lephuneh,  an  Ceniseach  gus  an  la  an 
diugh  :  a  chionn  gun  do  lean  e  gu  h-iomlan  an 
Tighearna  Dia  Israel." 


Anns  a  Chathair 


NA'N  cuireadh  cuid  de  luchd-leughaidh  nan 
duilleagan  so  thugainn  iomradh  goirid  air  na 
searmoin  a  bu  druidhtiche  a  chual  iad  riamh  tha 
sinn  an  diiil  gu'm  b'  fhiach  sin  a  thoirt  am  follais, 
gu  sonraichte  na  cinn-theagaisg  a  rinn  greim  air 
an  inntinnean.  Tha  e  na's  fhasa  do'n  mhor- 
chuideachd  de  dhaoine  an  diugh  sgriobhadh  am 
Beurla  na  tha  e  an  Gaidhlig,  ach  na'm  faighea- 
maid  seanchas  maith  de'n  t-seorsa  am  Beurla 
fhein  chuireamaid  f hein  ann  an  Gaidhlig  e. 

Am  bitheantas  is  e  na  cinn-theagaisg  reamhar 
shoisgeulach  a  ni  greim  air  inntinnean  is  aire 
dhaoine,  agus  chan  e  na  rannan  neonach  a  bhios 
cuid  de  shearmonaichean  a'  gabhail  air  uairean, 
rannan  as  am  faod  iad  rud  air  bith  a  thogras  iad 
a  tharruing,  coltach  ris  an  fhear  a  shearmonaich 
mu'n  aiseirigh  air  Di-domhnaich  Casg,  Leigidh  e 
as  an  t-eun  heo  air  aghaidh  na  macharach. 
"-  Chuala  mise  iomadh  searmon  maith  air  a  bheil 
cuimhne  agam,  ach  air  nach  fhaod  mi  tighinn 
thairis  an  drasd  a  chionn  gu  bheil  anfheadhainn 
o'n  cuala  mi  iad  a  lathair  fhathast,  ach  b'e  an 
da  shearmonaiche  a  bu  mho  a  dhruidh  orm 
riamh,  an  t-Ollamh  Alasdair  Whyte,  an  Dun- 
eideaim,  agus  an  t-Ollamh  Iain  MacLeoid,  an 
Govan.  Sin  an  dithis  anns  am  mo  a  dh'fhairich 
mi  riamh  cumhachd  na  diadhaidheachd. 

Cha  chuala  mi  Iain  MacLeoid  ach  da  uair  uile 
gu  leir,  ach  air  a  shon  sin  bha  e  'n  a  mheadhon 
air  m'inntinn  a  dhiisgadh  a  thaobh  nithean  do 
nach  tug  mi  suim  roimhe  sud.  Sin  mar  tha 
daoine  air  an  oileanachadh.  Anns  an  sgoil  la  as 
deidh  la,  tha  am  maighstir-sgoile  a'  teagasg 
cloinne,  ach  ged  tha  iad  'n  an  dusgadh  gu  cor- 
porra,  agus  a'  dol  troimh  na  leabhraichean  agus 
na  ceistean  mar  a  chuirear  saighdearan  troimh 
dhrill,  tha  an  inntinnean  cho  marbh  diiinte  's  ged 
bhiodh  iad  'nan  cadal,  ach  la  air  chor-eigin 
cluinnidh  no  leughaidh  iad  rud-eigin  a  dh'fhos- 
glas  uinneagan  anns  na  h-inntinnean  aca  a  tha 
toirt  daibh  sealladh  air  an  t-saoghal  nach  robh 
aca  roimh,  agus  anns  an  aon  mhionaid  sin  tha, 
iad  a'  deanamh  barrachd  adhartais  na  rinn  iad 


theagamh  ann  an  tri  bhadhna.  Chan  'eil  so  a' 
ciallachadh  gu  robh  an  teagasg  laitheil  gun 
fheum  ;  cha  robh  idir  ;  ach  air  a  shon  sin  tha 
inntinn  mhic  an  duine  a'  gluasad  car  coltach  ri 
spag  mhor  an  uaireadair,  'n  a  leumannaibh. 
Tha  cuimhne  agamsa  gle  mhaith  air  laithean 
anns  an  do  leum  m'inntinn  fhein  'n  a  diisgadh 
gun  fhios  ciamar  no  carson,  agus  anns  an  do 
shealbhaich  mi  rioghachdan  lira  a  bha  folaichte 
orm  gu  sin  ;  laithean  anns  an  d'fhuair  mi  saorsa 
ann  an  aon  mhionaid  o  bheachdan  a  bha  mi  an 
duil  a  bha  mi  a'  creidsinn,  agus  anns  an  robh  e 
cho  soilleir  dhomh  ri*  a'ghrein  gur  e  ceud 
dhleasdanas  a  h-uile  duine  a  sholus  fein  a  lean- 
tuinn.  Ach  cha  b'  ann  air  sin  a  bha  mi  a' 
ciallachadh  a  bhi  sgriobhadh  idir,  is  feumaidh 
mi  tighinn  air  m'ais  gu  Iain  MacLeoid. 

An  uair  a  bha  mi  'n  am  bhalach  anns  an  sgoil 
chuala  mi  e  a'  searmonachadh  an  eaglais  Ard 
lonar-nis,  far  an  robh  a  bhrathair,  an  Dotair 
Tormod,  'na  mhinisteir.  Bha  e  'na  dhuine  mor  ; 
bha  coslas  na  sagartachd  air  anns  a  h-uile  doigh  ; 
bha  soluimteachd  'n  a  aodann,  'n  a  cheum  a'  dol 
suas  do'n  chiibaid,  agus  eadhon  anns  an  doigh 
anns  an  do  laimhsich  e  'n  a  leabhraichean  naomh 
a  chur  am  beadall  suas.  Thug  e  mach  salm  ; 
sheinn  an  coimhthional  i  ;  agus  ghairm  e  air 
ainm  an  Tighearna  ann  an  urnuigh.  B'  ann  mar 
a  thoisich  an  duine  maith  so,  air  an  robh  coslas 
na  h-abstolachd,  air  iirnuigh  a  f  huair  an  inntinn 
agam-sa  a'  cheud  chrathadh,  oir  hha  an  urnuigh 
sgrwbhta  aige  is  bha  e  'ga  leughadh. 

Gus  a'  mhionaid  ud  chan  fhaca  mise  duine 
riamh  a'  leughadh  iirnuigh,  ged  bha  mi  eolach 
gu  leor  air  a  bhi  cluinntinn  iomraidh  air  iirnuigh 
a'  phaipeir ;  seorsa  urnuigh  anns  nach  robh 
muinntir  mo  dhiithcha-sa  a'  creidsinn  idir.  Bho 
fhacail  a  bhithinn  a'  cluinntinn  umpa  am  measg 
dhaoine  bha  am  beachd  so  gu  daingean  anns  an 
inntinn  agam  nach  biodh  ri  urnuighean  paipeir 
ach  Papanaich  is  muinntir  na  h-eaglais  Shasun- 
naich  aig  nach  robh  doighean-aoraidh  ceart,  air 
neo  ministearan  neo-spioradail  nach  b'  urrainn 


ANNS  A  CHATHAIR 


3 


urnuigh  dhaibh  fein  a  dheanamh.  Cha  robh  so 
air  a  theagasg  dhon^ih  air  a  cheann,  ach  thog  mi 
e  dhomh  fhein  o  fhacail  a  bhithinn  a'  cluinntinn 
an  sid  agus  an  so  'n  am  bhalach,  o  mhinistearan 
-Baisteach,  o  cheistearan,  o  bhodaich  chrabhach, 
agus  o  dhaoine  eile,  air  chor  agus  gu'n  d'  fhuair 
■mi  clisgeadh  an  uair  a  chunnaic  mi  le  m'  shiiilean 
fhein  an  duine  ud  air  an  robh  fior  choslas  na 
diadhaidheachd  a'  leughadh  iirnuigh. 

Chuir  an  rud  iongantas  orm  is  chuir  e  gu 
smuaineachadh  mi,  ach  mheudaich  m'  iongantas 
agus  mo  smuaineachadh  an  uair  a  thoisich  Iain 
MacLeoid  air  seai-monachadh,  searmon  nach 
cuala  mise  a  leithid  riamh  roimh  agus  ris  an  do 
leum  mo  chridhe  mar  a  leumas  cridhe  duine  an 
uair  a  chi  e  saoghal  iir.  Tha  nii  an  diiil  gu'n  do 
shearmonaich  e  dluth  air  uair  an  uaireadair,  agus 
fad  na  h-iiine  sin  dh'fhaodainn  m'anail  fhein  a 
chhiinntinn,  leis  an  t-samhchair  a  bha  am  measg 
a'  choimhthionail  ag  eisdeachd  ris,  agus  gun  lend 
a  bhoise  de  phaipeir  air  a  bheulaibh. 

Sin  an  neonachas  a  chuir  gu  smuaineachadh 
mise,  ministear  a  leughadh  urnuigh  agus  gtm  e  a' 
leughadh  a  shearmoin  !  Bha  e  furasda  gu  leor 
fhaicinn  gu  robh  e  maith  air  labhairt,  agus  nach 
b'e  dith  comais  no  dith  diirachd  no  dith  spiora- 
dalachd  a  thug  air  a  bhi  leughadh  urnuighean, 
ach  aobhar  air  chor-eigin  eile,  Cha  robh  fhios 
agam-sa  aig  an  am  ciod  an  t-aobhar  a  bha  aige 
air  son  a'  chleachdaidh  ud,  ach  co  dhiu  thainig  e 
ann  am  inntinn  nach  robh  anns  na  b'  abhaist 
dhomh  a  chluinntinn  mu  mhinistearan  a  bhiodh 
a'  leughadh  an  iirnuighean  ach  seanchas  gun 
bhun  gun  bharr.  Cha  robh  an  t-uamhas  idir 
cho  uamhasach  's  a  bha  mi  an  diiil.  Co  dhiii 
bha  na  chunnaic  agus  na  chuala  mise  an  la  ud, 
anns  an  eaglais  Ard  an  lonar-nis,  'na  mheadhon 
air  m'inntinn  a  chur  air  ghluasad  gu  bhi  a' 
meomhrachadh  air  nithean  ann  an  solus  mo 
reusoin  fein,  agus  is  e  sin  a'  chomain  as  mo  is 
ui-rainn  aon  duine  a  chur  air  duine  eile,  gu7i  cuir 
e  inntinn  air  ghluasad.  Chuir  an  t-Ollamh  Iain 
Mac  Leoid  a'  chomain  sin  orm-sa. 

Bha  beachdan  is  cleachdanna-aoraidh  aig 
Iain  Mac  Leoid  nach  robh  a  reir  gnaths  na 
h-eaglais  Chleireachail,  ach  mur  robh  iad  a  reir 
gnaths  na  h-eaglais  Chleireachail,  bha  iad  a 
reir  gnaths  na  h-eaglais  Choitchinn.  Chaochail 
e  ann  am  meadhon  a  laithean,  ach  gel  nach 
d'iompaich  e  eaglais  na  h-Alba  gu  a  bheachdan 
no  a  chleachdanna  fein  bha  meas  mor  air  anns 
an  eaglais  a  chionn  gu  robh  fhios  aig  a  h-uile 
duine  nach  robh  ministear  anns  an  eaglais  a  bu 
diirachdaiche  agus  a  bu  dilse  na  e.  Bha  e 
naomh  'n  a  chaitheamh-beatha  agus  dichiollach 
ann  an  obair  an  Tighearna. 

Sin  aon  de  na  comharran  a  tha  mi  an  dochas 
a  bhios  air  eaglais  na  h-Alba  gu  brath  ;  gu'm 
bi  i  farsuing  agus  gu'm  bi  aite  innte  do  gach 
seorsa  dhaoine.  Coma  leam  eaglaisean  beaga 
cumhann  anns   nach    'eil  a  chridhe  aiff  duine 


smuaineachadh  air  a  shon  fhein,  no  dad  a 
dheanamh  nach  'eil  air  a  cheadachadh  le  gnaths 
nan  aithrichean  ;  eaglaisean  anns  nach  'eil 
farsuingeachd  no  saorsa,  agus  anns  nach  beatha 
a  bheatha  do  dhuine  mur  teid  aige  air  Sibolet  a 
radh  mar  a  bhios  daoine  eile  'ga  radh.  Bu  cho 
mhaith  dhuit  a  bhi  am  measg  nan  sgriobh- 
aichean  agus  nam.  Pharasach  ri  bhi  am  measg 
an  t-seorsa  sin.  Is  maith  an  rud  saorsa  agus  is 
maith  an  comharradh  air  eaglais  air  bith  i  bhi 
farsuing,  agus  i  bhi  toileach  air  leintean  farsuing 
a  thoirt  do  na  leanaban  oga.  Agus  is  maith 
an  comharradh  air  pobull  air  bith,  an  uair  a 
chluinneas  iad  ministear  no  sagart  ag  radh 
rud  gun  tur  gun  dreach  na  firinn,  gu'n 
abradh  iad  ris,  Cha  duhhhairt  Dia  na  thuhhairt 
thus  a. 

Anns  na  bliadhnachan  a  chuir  mi  seachad  an 
Duneideann  cha  robh  ministear  eile  anns  a' 
bhaile  a  rinn  greim  air  m'  inntinn  agus  air  mo 
chridhe  mar  a  rinn  an  t-Ollamh  Alasdair  Whyte, 
agus  lean  sin  gus  an  la  an  diugh.  A  cheud  uair 
a  chuala  mi  e  a'  labhairt  riamh  b'ann  air  an 
diadhair  Cardiiial  Newman,  duine  air  an  robh 
moran  meas  aige,  mar  is  cubhaidh  do  gach  neach 
aig  a  bheil  meas  air  an  diadhaidheachd. 

Bha  an  t-Ollamh  Alasdair  Whyte  air  a  thogail 
anns  an  eaglais  Shaoir,  agus  bha  an  eaglais 
Shaor  anns  na  laithean  sin  car  cumhann  agus 
teth,ach  ged  bha  Alasdair  Whyte  'namhac  dileas 
do'n  eaglais  Shaoir  agus  cho  soisgeulaiche  'n  a 
theagaig  ri  bhraithrean,  cha  do  dhichuimhnich  e 
riamh  gu'm  buineadh  e  do'n  eaglais  Choitchinn 
mar  an  ceudna,  agus  nach  robh  anns  an  eaglais 
Shaoir  ach  lasag  bheag  an  coimeas  ri  solus  na 
h-eaglais  Choitchinn  anns  an  t-saoghal. 

Na'm  biodh  agam  ri  radh  c6  am  ministear  a 
choimhlion  a'  mhinistrealachd  a  bu  chumhach- 
daiche  agus  a  bu  spioradaile  an  Albainn  o  chionn 
leth  cheud  bliadhna  theirinn  an  t-Ollamh 
Alasdair  WTiyte.  Chan  e  mhain  gu  robh  e  'n  a 
shearmonaiche  ach  bha  e  'n  a  dhiadhair  ;  cha 
b'ann  air  cinn-theaa:asie;  thana  no  shuarrach  a 
bhitheadh  e  a'  bruidhinn  ach  air  na  nithean  air 
am  miann  leis  na  h-ainglean  beachdachadh. 
Bha  mise  anns  a'  chlass  Bhiobuill  aige  coig 
geamhraidhean  is  fhuair  mi  barrachd  ann  a  rinn 
feum  dhomh,  agus  a  chuir  gluasad  'n  am  spiorad 
agus  'n  am  inntinn  na  fhuair  mi  anns  an  Talla 
na  Diadhachd. 

Bha  uaisle  is  farsuingeachd  is  aoigheachd  ann 
an  inntinn  Whyte  nach  fhaighear  ach  ann  an 
inntinnean  dhaoine  a  tha  tighinn  bep  ann  am 
fior  cho-chomunn  nan  naomh.  An  uair  a 
rachadh  tu  a  steach  do'n  eaglais  aige  chan  ann 
air  Chalmers,  no  air,  Mac  Rath  Mor,  no  air  an 
Dotair  Ceanaideach,  no  air  aithrichean  an 
Dealachaidh  achluinneadh  tu  ea'  bruidhinn,  ach 
air  naoimh  is  diadhairean  na  h-eaglais  Choit- 
chinn, Teresa,  is  Tertullian,  is  Augustine  ; 
Dante,  is  Socrates,  is  Milton  ;  Jonatan  Edwards 


ANNS  A  CHATHAIR— CAIRDEAN  PHOIL 


is  Hooker,  is  Pusey ;  Tomas  Goodwin,  is  Uilleam 
Law,  is  Iain  Bunian.  Bha  ioniadh  seomar  anns 
an  inntinn  aige  is  bha  na  seomraichean  sin  uile 
Ian  de  nithean  maiseach  a  chruinnich  e  as  gach 
cearn.  B'abhaist  dha  a  bhi  ag  radh  gu  robh  e 
cho  gaolach  air  leughadh  's  a  tha  madadh- 
alluidh  acrach  air  itheadh,  is  chuir  e  miltean  de 
dhaoine  eile  gu  leughadh  cuideachd.  Thubhairt 
fear-reic  leabhraichean  an  Duneideann  gu'n  do 
reic  iad  coig  mile  de  leabhraichean  Uilleam  Law 
air  tailibh  na  bhiodh  Whyte  ag  radh  uime  anns 


a'  chiibaid,  agus  am  moladh  a  rinn  e  air  obair  an 
diadhair  sin. 

Co  riamh  a  chuala  Alasdair  Whyte  a'  sear- 
monachadh  air  a'cheann-theagaisg  so,Beannaich 
an  Tigheariia.  0  vianam,  a  b'  urrainn  a  bhriath- 
ran  no  a  choslas  a  dhichuimhneachadh  ?  An 
uair  a  ghabhadh  e  te  de  na  sailm  agus  a  thois- 
icheadh  e  air  nithean  sean  agus  iir  a  tharruing 
aisde  bhitheadh  uair  an  uaireadair  mar  choig 
mionaidean  do'n  choimhthional  a  bhiodh  ag 
eisdeachd  ris. 


Cairdean  Phoil 


TiMOTEUS 


AN  t-aite  bha  aig  Timoteus  an  cridhe  Phoil 
cha  robh  aig  aon  eile  d'a  chairdean.  Bha 
aobhar  no  dha  air  sin — oige  air  aon  ni,  a  nadur 
tlachdmhor  air  ni  eile,  agus  an  daimh  a  bha 
eatorra  mar  athair  is  mac  ann  an  nithean 
spioradail. 

Bhuineadh  Timoteus  do  Ghalatia  agus  bhui- 
neadh  Galatia  do  na  sean  Ghaidheil,  na  Ceiltich, 
mar  a  theirear  riu.  Chithear  sin  gle  shoilleir 
ann  an  nadur  nan  Galatianach  agus  ann  an  cuid 
de  ainmean  na  duthcha  mar  a  tha  Galatia  f  hein, 
agus  ainm  aon  de  na  beanntan — an  Cara-dagh, 
a'  bheinn  dhubh  :  gu  litireil  a'  Charraig  Dhubh. 
B'ann  aig  bonn  na  beinne  so  a  rugadh  Timoteus. 

Ach  cha  b'e  Gaidheal  a  bha  an  Timoteus.  Bha 
e  'n  a  ludhach  air  taobh  a'  mhathar  agus  'na 
Ghreugach  air  taobh  athar.  Tha  e  coltach  gun 
do  bhasaich  athair  an  oige  Thimoteuis  agus  gun 
do  bhasaich  e  'na  fhear-iodhol-aoraidh.  Co 
dhiubh  cha  do  thimchioll-ghearr  e  Timoteus. 
Ach  an  easbhuidh  a  bha  aig  Timoteus  'na  athair 
bha  e  air  a  dheanamh  suas  gu  saoibhir  'na 
mhathair,  Eunice  agus  'na  shean-mhathair 
Lois.  Theagaisg  iadsan  dha  eolas  na  firinn, 
agus  rinn  sin  glic  esan  a  chum  slainte.  Chan 
'eil  leabhar  eile  co-ionnan  ris  a'  Bhiobull  air  son 
sin.  Mar  is  sine  a  dh'fhasas  duine  is  ann  is  mo 
a  chi  e  d'a  sin. 

Tha  e  ceart  cuideachd  a  radh  gu  bheil  a'  chuid 
as  fhearr  de  f hoghlum  a'  tighinn  leis  an  athar- 
rachadh  a  tha  coimh-cheangailt  ri  creideamh  ann 
an  Criosd  mar  Dhia  's  mar  Shlanuighear.  Tha 
an  t-atharrachadh  sin  uairean  a'  tighinn  lion 
beag  agus  beag,  mar  a  dh'  eireas  a'  ghrian  air  an 
talamh  :  chan  urrainn  duine  innse  cheart 
mhionaid.  Air  a'  mhodh  cheudna  chan  urrainn 
moran  de  fhior  chreidmhich  innse  cuin  no  caite 
chaidh  iad  as  o  bhas  gu  beatha.  Faodaidh  gun 
robh  Timoteus  air  aon  dhiubh  sin.  Cinnteach 
gu  leor  thainig  e  gu  mothachadh  air  c6  d'am 
buineadh  e  agus  c6  d'an  robh  e  a'  deanamh 
seirbhis.  Faodaidh  gun  do  thachair  sin  co- 
cheangailte  ri  ceud  chuairt  Phoil  do  Listra — 
aite   breith   Thimoteuis,   agus   chan   e   mhain 


dhasan  ach  d'a  mhathair,  agus  d'a  sheanmha- 
thair  Lois.  Chuala  iad  araon  an  teagasg 
iongantach  a  thug  Pol  agus  Barnabas  seachad 
an  eisdeachd  an  t-sluaigh,  agus  chunnaic  iad  a' 
bhuaidh  a  bha  aig  orra,  agus  cionnus  a  ghluais 
na  h-Iudhaich  mhi-chreidmheach  an  sluagh  'n 
an  aghaidh.  Chlach  iad  Pol  is  Barnabas  gus 
mu  dheireadh  an  do  shaoil  iad  gun  robh  iad 
marbh.  Mar  tha  aon  ag  radh  :  "  Faodaidh  e 
bhi  gun  robh  Timoteus  am  measg  an  f  headhainn 
a  chruinnich  timchioll  air  cuirp  nan  Abstol  an 
uair  a  bha  iad  mar  gum  b'eadh  marbh.  Co 
dhiiibh,  bha  Timoteus  a  muigh  's  a  mach  air 
taobh  an  Tighearna. 

Sin  an  rathad,  ma  tha,  anns  an  d'thainig 
Timoteus  gu  bhi  'n  a  fhear-cuideachaidh  do 
Phol.  Ciod  e  am  maith  a  tha  ann  a  bhi  sear- 
monachadh  gun  ghras  ?  Mur  'eil  an  saighdear 
dileas  do'n  righ  ciod  e  am  feum  a  tha  ann  ?  Ach 
tha  cliii  Thimoteuis  iomraiteach  am  measg  nam 
braithrean  a  bha  an  Listra  cha  b'e  mhain  a 
thaobh  bheusan  ach  a  thaobh  eud  an  aobhar  an 
t-Soisgeil.  Bha  e  cuideachd  'n  a  fhabhar  mar 
shoisgeulaiche  gun  robh  e  'n  a  chinneach  air  an 
darna  taobh  agus  'n  a  ludhach  air  an  taobh  eile. 
Dh'fhosgladh  sin  iomadh  dorus  da  a  bhiodh 
duinte  air  a  chaochladh. 

B'e  thainig  as  :  bha  Timoteus  air  a  shuidhea- 
chadh  leis  an  eaglais  gu  bhi  'n  a  cho-oibriche 
maille  ri  Pol.  Chithear  ann  an  litrichean  Phoil 
na  h-earalan  a  fhuair  e  aig  an  am  sin  agus  as 
deidh  sin.  Bha  Timoteus  6g,  narach.  Thuirt 
Pol  :  "  Na  deanadh  duine  sam  bith  tarcuis  air 
d'oige  ach  bi  thusa  ad  eisimpleir  .  .  .  ann  am 
focal,  ann  an  caithe-beatha,  ann  an  gradh,  ann 
an  Spiorad,  ann  an  creidimh  ann  am  fior 
ghloinne."  Bha  Timoteus  gealtach,  bha  e 
maoth  ann  an  slainte.  Thuirt  Pol  :  "  Fuiling 
thusa  uime  sin  cruaidh-chas  mar  dheagh  shaigh- 
deir  losa  Criosd."  Bhiodh  Timoteus  air  a 
tharruing  am  measg  muinntir  a  bhiodh  an 
aghaidh  aon  a  cheile.  "  Agus  chan  fhaod 
oglach  an  Tighearna  a  bhi  conspoideach  ach 
ciuin  ris  na   h-uile    dhaoine,  ealamh  a  chum 


CAIRDEAN  PHOIL— LAOIDH 


teagasg,  foighidneach."  Bha  an  tuille  feum 
aig  Timoteus  air  gliocas  do  bhrigh  agus  gun 
robh  aige  ri  aite  Phoil  a  ghabhail,  agus  gun  robh 
Pol  fhein  a  nis  gu  a  bhi  air  iobradh  agus  am  a 
shiubhail  am  fagus. 

Theirigeadh  an  iiine  dhuinn  na'm  biomaid  a' 
dol  a  labhairt  air  saothair  Thimoteuis  comhla  ri 
Pol  agus  leis  fhein,  ach  gu  h-araidh  leis  fhein. 
Is  leor  a  radh  gun  robh  e  dileas  eadhon  gu  bas. 
Tha  beul-aithris  ag  radh  gun  do  sheulaich  e 
obair  a  bheatha  le  bas  marturaich. 

Chan  urrainn  sinn  a  bhi  cinnteach  a  sin  ach 
tha  sinn  cinnteach  nach  urrainn  sinn  tuille  's  a' 
choir  a  dheanamh  do'n  t-Soisgeul.  Ma  tha 
luach  ni  r'a  fhaicinn  anns  an  eiric  a  thugadh  air 
a  shon  nach  luachmhor  an  ni  an  Soisgeul  !  An 
ann  gu  diamhain  a  fhuair  Criosd  agus  na  mar- 
turaich bas  ?  Tha  freagairt  na  ceisde  r'a 
fhaotainn  ann  an  cruth-atharrachadh  caithe- 
beatha  sluagh  nach  gabh  aireamh,  marbh  agus 
beo  agus  beo  gu  siorruidh  's  mar  a  tha  iad,  thainig 
iad  troimh  amhghairean  mora  agus  nigh  iad  an 
trusgain  agus  rinn  iad  geal  iad  ann  am  fuil  an 
uain. 

Chan  'eil  e  doirbh  mathraichean  diadhaidh 
fhaicinn  am  measg  na  cuideachd  bheannaichte 
sin  cosmhuil  ri  iomadh  mac  is  nighean  eile.  Am 
biodh  Timoteus  an  duine  bha  e  mur  b'e 
a  mhathair  Eunice  agus  a  shean-mhathair 
Lois  ? 

Chan  'eil  cumhachd  eile  's  an  t-saoghal  air 
son  maith  cosmhail  ri  mathair  ghlic  dhiadhaidh. 
"  Cionnus  "  arsa  cuid  eigin  ri  Napoleon  Buona- 
parte, "  bhios  oigridh  na's  fearr  againn."  Chan 
'eil  oil-thigh  idir  ann  cosmhail  ris  an  dachaidh, 
agus  chan  'eil  dachaidh  ann  gun  mhathair, 
"  Rinn  i  an  dachaidh  an  comhnuidh  sona 
dhuinn"  sgriobh  clann  air  leac-lighe  am 
mathar. 


Tha  beatha  Thimoteuis  cuideachd  a'  teagasg 
am  beannachd  a  tha  ann  a  bhi  bg  air  taobh  an 
Tighearna.  Tha  am  barrachd  toraidh  leis  agus 
am  barrachd  geallaidh.  "  Is  e  an  t-ionnsachadh 
bg  an  t-ionnsachadh  boidheach."  Chunnaic 
Solamh  iomadh  sealladh  ach  chan  fhaca  e  seal- 
ladh  bu  mhaisiche  na  "  duine  bg  ag  imeachd  'n 
a  ionracas."  Biodh  e  chum  maith  no  biodh  e 
chum  uilc  an  taobh  a  theid  duine  'n  a  oige  is  e 
as  docha  e  a  leantainn.  Bha  duine  uasal  'n  a 
aoigh  an  tigh  mor.  Troimh  'n  uinneig  chunnaic 
e  craobh  mhaiseach.  Thuii-t  e  ri  fear  an  tighe  : 
"  Nach  maiseach  a'  chraobh  ud,  ach  ciod  e  an 
car  a  tha  innte  mar  sud  ?  "  "  Tha,"  ars'  esan, 
"  car  a  thainig  innte  an  uair  a  bha  mise  bliadhna 
no  dha  air  falbh  o'n  tigh.  Cha  robh  i  ach  air  a 
h-iir  chur  an  uair  a  chuir  cuid  eigin  cudthronn 
air  an  darna  taobh  dhith,  ach  cudthrom  cho 
aotrom  agus  gun  robh  e  smuaineachadh  nach 
deanadh  e  cron  air  bith  ;  agus  a  nis  tha  thu  a' 
faicinn  an  cumadh  a  th 'innte."  Is  e  dileab 
bhochd  a  th'ann  an  sin.  Fhuair  Byron  o 
mhathair  i,  's  ged  bu  mhor  a  thalantan  bu  mho 
na  sin  a  thruaighean.  Is  e  eagal  an  Tighearna 
an  dileab  as  mo  as  urrainn  parantan  f hagail  aig 
an  cloinn.  Ach  eadhon  a  dh'easbhuidh  sin  tha 
slighe  ann  a  dh'ionnsaigh  seilbh  fhaotainn 
air  "  na  bliadhnachan  a  dh'ith  an  locust," 
slighe  dhaibhsan  a  tha  toileach  agus 
umhail." 

Gabh  tlachd  an  Dia  is  bheir  e  dhuit, 
Ian  riin  do  chridhe  chaoidh. 


Foillsichidh  e  do  choir  's  do  cheart. 
Mar  shohis  glan  nan  trath ; 
Is  amhluidh  mar  ard  mheadhon-la, 
Do  bhreitheanais  a  ghnatii. 


E.  G. 


Laoidh 


SE  gradh  fear-saoraidh  bheir  an  t-saorsa, 
Dha  na  daoine  thig  ris  dliith  ; 
Tha     ghealladh     grasmhor     'g     an     deanamh 

sasuicht', 
Chum  gu  brath  bhi  seinn  a  chliii. 

Ma  tha  thu  briiite  le  deoir  bho  d'shuilean, 
'S  an  namhaid  graineil  'g  ad  fhagail  sgith, 
Thig  le  d'iirnuigh  le  cridhe  driiidhteach, 
Ann  an  durachd  is  gheibh  thu  sith, 

Tha  cuireadh  dubailt  a'  tighinn  'g  ad  ionnsaigh, 
'S  na  dean  a  dhiiiltadh  oir  bidh  tu  cli ; 
Thig  le  iimhlachd  a'  tabhairt  cliii  dha, 
'S  tog  do  shiiilean  ri  Calbhari. 


'S    e     los'     am    brathair     ni     fuireach    lamh 

riut, 
'S  e  caraid  gradhach  nach  faic  ort  dith  ; 
Is  e  fear-tearnaidh  chum  do  shlainte, 
O  faic  a  lamhan  a  mach  riut  sint'. 

Na  deanaibh  tair  air  ach  thigibh  lamh  ris, 
Thugaibh  gradh  dha  le  blaths  bhur  cridh  ; 
Faic  a  lamhan  le  laraich  thairnean, 
'S  chi  thu  gradh  thug  esan  dhuinn. 

Ma  ni  thu  dhiiiltadh  's  tu  fein  bhios  diombach, 
'S  do  mhi-churam  'g  ad  chur  a  dhith  ; 
Bidh  leabhar  cunntais  'g  ad  chur  fo  thursa, 
Bho'n  chuir  thu  cul  ri  righ  nan  righ. 

N.  MacD.  Caolas  Phaibil. 


CRIOSD  AGUS  A  BHANA-CHAIRDEAN 


Criosd  agus  a  Bhana-Chairdean 

"Mnathan  araidh  a  chaklJi  a  lelglieas  o  dhrochspioradan  agus  o  easlaintean,  Muire  d''an  goirear  Magdalen, 
as  an  deachaidli  seachd  deamhain  a  raach,  agus  loanna  bean  Chu^sa  stiiibhard  Heroid,  agus  Susanna,  agus 
mbran  eile  a  bha  a'  frithealadh  dhaibh  d'am  maoin.^' — Lucas  viii.  2-3.' 


THA  aon  de  na  seann  aithrichean  ag  radh  gur 
e  Lucas  caraid  nam  han.  Anns  an  t-soisgeul 
a  sgriobh  e  tha  e  a'  toirt  aite  do  na  boirionnaich 
nach  d'fhuair  iad  riamh  roiinhe,  agus  tha  a' 
h-uile  iomradh  a  tha  e  a'  deanamh  orra  coibh- 
neil.  Anns  an  t-seann  t-saoghal  cha  robh 
moran  meas  ah*  na  boirionnaich  ;  cha  robh  meas 
orra  aig  na  h-Iudhaich  no  aig  na  Cinnich,  ach 
ann  an  soisgeul  Lucais  gheibhear  a'  cheud 
bhriseadh  air  a  dheanamh  air  na  ballacha- 
meadhoin  a  bha  seasamh  eadar  fir  is  mnathan. 
Ach  cha  b'ann  as  a  cheann  fein  a  rinn  Lucas  so  ; 
cha  d'  thug  e  seachad  ach  an  rud  a  fhuair  e  o 
Chriosd,  oir  is  e  Criosd  a  dh'  ionnsaich  dha  gu 
robh  anam  boirionnaich  a  cheart  cho  priseil  ann 
an  siiilean  Dhe  ri  anam  fir. 

Tha  e  a'  cur  ionghnaidh  air  ioniadh  duine 
c'aite  an  d'fhuair  Criosd  agus  a  dheisciobuil  am 
beo-shlaint  anns  na  bhadhnachan  a  bha  iad  a'dol 
mu'n  cuairt  na  diithcha,  a'  searmonachadh 
rioghachd  Dhe.  Tha  an  t-abstol  Eoin  ag 
innseadh  dhuinn  gu  robh  sporan  aca  eatorra, 
ach  dh'  fheumadh  rud  a  bhi  air  a  chur  anns  an 
sporan  sin  m'an  gabhadh  dad  a  bhi  air  a  thoirt 
as.  Cha  robh  ann  an  losa  fein  ach  duine  bochd  ; 
theagamh  gu  robh  e  a'  cosnadh  tuarasdail  aig 
an  t-saorsainneachd  fad  beagan  bhhadhnachan, 
ach  leig  e  sin  seachad  an  uair  a  thoisich  e  air 
rioghachd  Dhe  a  shearmonachadh.  Bha  a' 
chuid  mhor  de  na  h-abstoil  cho  bochd  ris  fein  ; 
ma  chuir  Mata,  an  cis-mhaor,  no  clann  Shebede, 
beagan  airgid  mu  seach  m'an  do  thoisich  iad  air 
losa  a  leantuinn,  cha  b'  f  hada  a  mhaireadh  sin, 
agus  dh'  fheumadh  an  sporan  a  bhi  air  ath- 
lionadh  air  dhoigh  air  chor-eigin  eile.  Tha 
Lucas  ag  innseadh  ciamar  a  bha  an  sporan  air  a 
chumail  Ian,  agus  ciamar  a  fhuair  Criosd  agus  a 
dheisciobuil  am  beathachadh  anns  na  bliadh- 
nachan  ud  ;  tha  e  ag  innseadh  gur  e  na  mnathan 
a  rinn  sin,  mnathan  afhritheil  dhaibh  d'am  maoin. 
B'fheudar  do  Criosd  frithealadh  do  na  fir  agus 
an  casan  a  nigheadh  le  a  lamhan  fein,  ach 
fhritheil  na  mnathan  dha-san,  agus  dh'ung  iad 
a  cheann  le  ola,  is  thiormaich  iad  a  chasan  le 
fait  an  cinn. 

Tha  clann-daoine  uile  gu  leir  fo  fhiachan 
trom  aig  an  t-Slanuighear,  ach  tha  na  mnathan 
fo  fhiachan  aige  os  cionn  chaich,  oir  is  ann 
bhuaith  a  fhuair  iad  an  t-saorsa  agus  an  -t- 
urram  a  tha  aca  an  diugh,  agus  na  sochairean 
eile  a  tha  iad  a'  sealbhachadh. 

Ann  an  duthchannan  na  h-aird  an  Ear  cha 
robh  meas  coin  air  mnathan  anns  na  laithean 
anns  an  robh  Chriosd  air  thalamh,  agus  chan  'eil 


meas  coin  orra  an  diugh  fhathast  anns  na 
diithchannan  nach  d'fhuair,  no  nach  do  ghabh 
ris  an  t-soisgeul.  Am  measff  nam  Moham- 
medanach  tha  cor  nam  boirionnach  anabarrach 
truagh  ;  chan  'eil  annta  ach  traillean  fo  laimh 
am  maighstirean,  agus  tha  an  sac  air  a  chumail 
air  an  druim  daonnan.  Bha  teagamh  aig 
seanairean  is  luchd-lagha  nam  Mahommedan- 
ach  nach  robh  anam  aig  boirionnaich  idir,  agus 
cha  robh  iad  a'  toirt  misneach  air  bith  dhaibh 
aoradh  no  iirnuigh  a  dheanamh.  Bha  cor  nam 
boirionnach  na  b'  fhearr  am  measg  nan  ludhach, 
ach  am  measg  nan  ludhach  fein  bha  iad  air  an 
cumail  sios  agus  dimeas  air  a  dheanamh  orra. 
Bha  e  cho  furasda  do  dhuine  dealachadh 
fhaotainn  o  mhnaoi  's  gur  beag  nach  fhaodadh 
e  a  cead  a  thoirt  di  uair  air  bith  a  thogradh  e. 
Bu  leoir  da  aobhar  no  lethsgeul  faoin  a  bhi  aige 
air  son  sin  a  dheanamh.  Bha  deisciobuil 
Hillel  de'nbheachdgu'mfaodadh  duine  dealach- 
adh r'a  mhnaoi  ma  mhill  i  a  dhinneir. 

Ach  chuir  Criosd  a'  chumhannachd  ghrannda 
sin  uile  air  chul.  Chuir  e  fion  iir  anns  na  seann 
searragan  is  spiorad  iir  anns  an  t-seann  lagh, 
agus  dh'  fhuasgail  e  na  ceanglaichean  leis  an 
robh  mnathan  air  an  cumail  ann  an  daorsa. 
Rinn  e  sin  gun  a  ghuth  a  thogail  anns  na 
sraidean  ;  le  ghiiilan  fein  thug  e  air  daoine  eile 
a  thuigsinn  gu  robh  na  ceart  choraichean  aig 
mnathan  a  bha  aig  fir,  agus  gu  robh  am  beatha 
a  cheart  cho  luachmhor  ann  an  siiilean  Dhe. 
Cha  robh  dochaireachd  no  cumhannachd  ann 
an  inntinn  Chriosd  a  thaobh  bhan,  mar  a 
bha  ann  an  inntinn  a  luchd-duthcha,  no  eadhon 
ann  an  inntinn  nan  abstol.  Chuir  e  ionghnadh 
air  na  h-abstoil  Criosd  fhaicinn  a'  bruidhinn  ri 
bean  Shamaria,  ionghnadh  gu  rachadh  e  ann 
an  seanchas  ri  creutair  air  an  robh  iad  fein  a' 
deanamh  tair.  Ach  an  aite  tair  a  dheanamh 
air  a'  bhoirionnach  sin,  dh'  fhosgail  Criosd  dhi 
riiintean  Dhe  is  diomhaireachd  na  diadhaidh- 
eachd,  agus  thug  a  dhi  teagasg  cho  domhain 
's  a  thug  e  do  na  h-abstoil.  Theireadh  na 
sgriobhaichean  agus  na  Pharasaich  gu  robh  e  a' 
tilgeadh  neamhnaidean  air  beulaibh  nam  muc, 
ach  chan  abradh  Criosd  fein  sin. 

Ach  ma  thug  Criosd  ceartas  do  mhnathan 
thug  iadsan  gradh  is  dilseachd  dha-san.  Chuid- 
ich  iad  leis  ann  an  obair  an  t-soisgeil,  agus 
fhritheil  iad  dha  d'am  maoin.  Lean  iad  e  gu 
Calbhari  agus  dh'fhan  cuid  diubh  maille  ris 
eadhon  an  uair  a  theich  na  h-abstoil  leis  an 
eagal.  Lean  iad  e  a  dh'  ionnsuidh  na  h-uagha 
(oir  bu  mhaith  leo  a  chorp  ungadh  le  oladh) 


CRIOSD  AGUS  A  BHANxV-CHAIRDEAN— AMHGHAR  IS  CUIDEACHADH  .  7 


agus  mar  dhuais  an  dilseachd  f huair  iad  a'  cheud 
sealladh  d'a  phearsa  ghlormhor  air  maduinn  na 
h-aiseirigh. 

Fhritheil  iad  dha  d'am  maoin.  Bu  mhaith 
dhuinn  uile,  fir  is  mnathan  mar  a  tha  sinn  ann, 
na'n  gabhamiaid  am  facal  sin  gu  ar  ci-idheachan. 
Tha  e  mar  fhiachaibh  air  luchd-leanmhuinn 
Chriosd  aobhar  an  t-soisgeil  a  chuideachadh, 
agus  ma  tha  an  inntinn  thoileach  againn  chan 
eagal  nach  fhaigh  sinn  rathad  air  sin  a  dhean- 
amh.  Anns  an  t-seann  t-saoghal  bha  e'na 
chleachdadh  aig  daoine  diadhaidh  deachamh 
a  thoirt  as  am  maoin  do  Dhia,  ach  ged  nach  'eil 
an  cleachdadh  sin  air  a  chumail  suas  a  nis  le 
lagh  na  h-eaglais,  tha  coir  aig  a  h-uile  duine 
trian  d'  a  thighinn-a-steach  a  thoirt  do'n 
eaglais  agus  do  na  bochdan,  a  reir  mar  bhean- 
naich  Dia  e  'na  bhascaid  agus  'n  a  amarfuinidh. 

Chan  urrainn  do  eaglais  na  h-Alba  uaill  a 
dheanamh  as  an  tabhartas  a  tha  i  a'  toirt  do 
Chriosd,  a  chum  a  shoisgeul  a  chraobh-sgaoileadh 
air  thalamh.  Tha  ionaadh  fear-comanachaidh 
is  bean-chomanachaidh  innte  nach'eil  a'  toirt 
ach  tasdan  's  a'  bhhadhna  gus  ainm  an  t- 
Slanuigheir  ardachadh  am  measg  nan  cinneach, 
— pris  gloine  uisge  bheatha.  Rud  narach,  rud 
a  tha  a'  dearbhadh  gu  soilleir  nach  'eil  sluagh 
na  h-eaglais  dileas  d'an  creideamh,  agus  nach 
'eil  iarrtus  domhain  aca  gu'n  tigeadh  rioghachd 
Dhe  air  thalamh.  Tha  cairdean  aig  Criosd 
ann  an  Albainn  a  tha  toirt  d'am  maoin  dha  gu 
fialaidh ;  chan  e  tasdain  ach  notaichean,  agus 
chan  e  ficheadan  ach  ceudan,  ach  tha  moran 
ainmean  aige  ann  an  eaglais  na  h-Alba  nach 
'eil  a'  toirt  da  an  fhardain  fhein,  daoine  aig  a 
bheil  ainm  gu  bheil  iad  beo  ach  a  tha  marbh. 


Na'n  cumadh  daoine  cunntas  air  na  tha  iad  a 
cur  de  airgiod  a  h-uile  bliadhna  ann  am  faoineis, 
no  ann  an  goraiche,  no  ann  an  toileachadh  na 
feola,  agus  na'n  coimeasadh  iad  sin  ris  na  tha 
iad  a'  cur  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil,  chitheadh 
iad  CO  dhiu  a  tha  no  nach  'eil  an  cridhe  anns  an 
diadhaidheachd.  An  uair  a  chluinnear  daoine 
a'  gearan  air  gainne  airgid  agus  air  a'  chosdus 
uamhasach  a  tha  air  an  duthaich,  agus  a' 
deanamh  faistneachd  gu'm  bris  an  rioghachd, 
faodar  a  radh  riu  nach  e  na  tha  an  dixthaich  a' 
cosd  air  na  sffoilean  no  air  na  h-eafflaisean  a 
bhriseas  i  co  dhiu.  Ma  bhriseas  an  rioghachd 
brisidh  i  a  chionn  gu  bheil  daoine  a'  cur  am 
maoin  ann  an  deoch,  agus  ann  an  arm,  agus  ann 
soghaltachd. 

Ged  bheireamaid  ar  maoin  uile  do  Chriosd 
cha  phaigheadh  sin  ar  fiachan  dhasan.  Cha  do 
chaomhain  esan  eadhon  a  bheatha  air  ar  Son- 
ne ;  "is  aithne  dhuibh  gras  ar  Tighearna  losa 
Criosd,"  arsa  Pol, "  ged  bha  e  saoibhir,  gidheadh, 
air  'ur  son-se,  gu'n  robh  e  bochd,  a  chum  tre 
bhochdainn-san  gu'm  bitheadh  sibhse  saoibhir." 
O  !  gu'n  tugadh  an  Tighearna  do  eaglais  na 
h-Alba  an  tuilleadh  high  ann  an  craobh- 
sgaoileadh  an  t-soisgeil  ;  gu'n  deanadh  e 
toileach  sinn  ann  an  la  a  chumhachd,  toileach 
air  aobhar  an  t-soisgeil  a  chuideachadh  le  ar  n- 
urnuighean  agus  le  ar  n-airgiod. 

'Nuair  dhearcas  mi  air  Crann  nam  buadh, 
Air  an  do  chieusadh  Righ  na  Gloir', 
Measam  gach  buannachd  mar  ni  truagh, 
'S  is  tair  's  is  fuath  leam  m'  uabhar  mor, 

Ged  a  bu  leam  air  fhad  an  saogh'l, 
Bu  thiodiilac  e  gu  tur  ro  chi-ion, 
Bu  neo-ne  truagh  mar  dhiol  d'a  ghaol, 
Mo  bheatha,  m'anam,  is  gach  sion. 


Amhghar  is  Cuideachadh 

"  Na  bi-sa  fada  nam,  oir  tha  amhghar  am  fagus,  oir  chan  'eil  neach  ann  a  chuidicheas .'" — Salm  xxii.  11. 


THA  e  air  a  radh  gur  e  Daibhidh  a  sgriobh 
an  t-salm  so,  ach  an  uair  a  leughar  i  gu 
curamach  chithear  aru  bheil  tomhas  fulang-ais 
innte  air  nach  robh  fiosrachadh  pearsanta  aig 
Daibhidh  riamh.  Cha  d'  fhuiling  esan  no  aon 
de  naoimh  an  t-seann  Tiomnaidh  an  deicheamh 
cuid  de  'n  amhghar  air  am  bheil  an  t-salm  so  a' 
labhairt,  air  chor  agus  gu  bheil  a'  cheist  ag 
eirigh, — cia  mar  a  b'  urrainn  do  Dhaibhidh 
labhairt  mar  gu'm  biodh  a  chridhe  is  fheoil 
fein  a'  fulang  nan  nithean  a  tha  e  ag  ainm- 
eachadh.  Is  e  an  fhreagairt  gu'n  do  labhair 
an  salmadair  ann  an  spiorad  na  faistneachd  agus 
fo  sheoladh  an  spioraid  Naoimh  mu'n  Mhesiah 
a  bha  ri  teachd,  agus  gur  e  so  aon  de  na 
sgriobtuirean  anns  am  bheil  naoimh  an  t-seann 
Tiomnaidh  a'  deanamh  fianuis  roimh-laimh  air 
fulangais  Chriosd,  agus  air  a'  ghloir  a  bha  gu 
an  leantuinn.  Chan  e  salm  le  Daibhidh  a 
bu  choir  dhuinn  a  radh  rithe  ach  salm  le  Criosd, 


oir  cha  robh  i  air  a  coimhlionadh  gus  an  robh 
esan  air  a  shineadh  air  a'  chrann-cheusaidh, 
agus  an  d'  uisnich  e  i  gu  bhi  cur  an  ceill 
faireachduinn  fheola  agus  saothair  anama. 

Tha  i  a'  toiseachadh  leis  na  briathran,  "  Mo 
Dhia,  mo  Dhia,  car  son  a  threig  thu  mi  ?  ",  na 
briathran  a  labhair  e  an  uair  a  thuit  dorchadas 
Chalbhari  air,  agus  anns  na  rannan  a  leanas  tha 
sealladh  air  a  thoirt  dhuinn  roimh  laimh  air 
nithean  a  bha  gu  tachairt, — 

Is  masladh  dhaoine  mise,  agus  tair  an  t-sluaigh, 
Ni  iadsan  uile  a  chi  mi  gaire-fanoid  rium ; 
Fosglaidh  iad  gu  farsuinn  am  bOean,  crathaidh 

iad  an  ceann,  ag  i-adh, 
Chuir  e  a  dhoigh  ann  an  lehobhah,  saoradh  ee ; 
Teasairgeadh  e  e,  a  chionn  gu  bheil  tlachd  aige  ann. 

Dh'iadh  coimhthional  dhroch  dhaoine  umam : 
Lot  iad  mo  lamhan  agus  mo  chasan 
Roinn  iad  mo  thrusgan  eatorra, 
Agus  air  m'eideadh  thilg  iad  croinn. 


8 


AMHGHAR  IS  CUIDEACHADH 


Ach  tha  aon  ni  gu  sonraichte  air  am  bheil 
an  t-salm  so  a'  tighinn  thairis,  agus  is  e  sin, 
onrachdas  Chriosd  am  measg  nan  daoine  a 
bha  'n  an  suil-fhianuisean  air  a  bhas.  Tha  sin 
r'a  fhaicinn  ann  an  iomadh  facal  a  tha  air  a 
chur  sios  innte,  ach  tha  e  r'a  fhaicinn  gu 
soilleir  agus  gu  driiidhteach  anns  na  briathran, 
"  Na  bi-sa  fada  uam,  oir  tha  amhghar  am  fagus, 
oir  chan  'eil  neach  ann  a  chuidicheas."  Rud 
iongantach  da  rireadh,  agus  rud  bronach,  gu'm 
biodh  esan  a  bha  cho  Ian  de  chaomhalachd  e 
fein,  agus  a  thug  seachad  do  dhaoine  eile  cho 
pailt,— gu'm  biodh  e  as  eugmhais  co-fhaireach- 
duinn  a  bhraithrean  ann  an  am  fheuma.  Ach  b, 
fhior  a  labhair  am  faidh  an  uair  a  thubhairt  e 
"  Shaltair  mi  an  t-amar  a'm'  aonar  agus  de  na 
sloigh  cha  robh  aon  neach  maille  rium."  Coltach 
ris  gach  neach  nach  liib  a  ghlun  do  spiorad  no 
do  chleachdanna  an  t-saoghail  bha  Criosd  6n- 
rachdach  'na  bheatha,  ach  bha  e  gu  sonraichte 
onrachdach  'na  bhas,  oir  dh'  fhiosraich  e 
amhghar  nach  gabhadh  innseadh,  agus  amhghar 
nach  tuigeadh  na  daoine  a  bha  mu'n  cuairt  air 
aig  Calbhari  an  la  ud,  ged  dh'  innseadh  e  e. 

Ann  an  seadh  fior  tha  daoine  daonnan  on- 
rachdach ann  an  la  na  trioblaid.  Gun  teagamh 
is  maith  do  dhuine  cairdean  caomhail  a  bhi 
dliith  dha  an  uair  a  thig  amhghar  thuige,  agus 
is  priseil  do'n  chridhe  leonta  co-fhaireachduinn 
blath  fhaotainn,  ach  aig  a'  cheart  am  tha  e 
fior  nach  urrainn  eadhon  na  cairdean  as  dilse 
ach  fior  bheagan  d'a  eallach  a  ghiiilan.  Fao- 
daidh  iad  dol  leis  ceum  no  dha  de'n  t-slighe  ach 
chan  urrainn  daibh  dol  na's  fhaide,  agus 
feumaidh  e  an  corr  a  choiseachd  'na  aonar, 
a'  stiiiradh  a  chiirsa  le  sholus  fein  a  mhain. 
"  Is  aithne  do'n  chridhe  a  shearbhas  fein  ;  agus 
'na  aoibhneas  cha  bhi  comh-roinn  aig  coig- 
reach."  Ma  tha  so  fior  mu  bhron  cumanta,  mu 
amhghar  is  trioblaidean  a  tha  coitchionn  is  do- 
sheachainte,  nach  motha  gu  mor  a  tha  e  fior 
mu'n  bhron  anama  a  dh'  fhuiling  Criosd  air 
Calbhari,  am  fulangas  diomhair  sin  leis  an  do 
choisinn  e  saorsa  do'n  t-saoghal,  agus  a  tha  dol 
OS  cionn  ar  n-eolais.  An  uair  a  dh'  fheuchas 
duine  ri  dol  a  steach  ann  am  faireachduinnean 
an  t-Slanuigheir  air  a'  chrann-cheusaidh,  an 
uair  a  dh'  fheuchas  e  ri  saothair  anama  a 
thuigsinn,  tha  e  'ga  chall  fein.  Chi  e  airde  is 
leud  is  doimhneachd  nach  gabh  rannsachadh 
no  tomhas.  Tha  e  mar  gu'm  biodh  paisde  beag 
ri  aghaidh  diomhaireachd  nach  urrainn  e  a 
thuigsinn.  An  uair  a  thig  am  bas  a  steach  do 
theaghlach  anns  am  bheil  clann  6g,  chithear 
na  paisdean  a'  sealltuinn  suas  ann  an  aodann 
bronach  is  suilean  deurach  chaich,  mar  gu'm 
biodh  iad  a'  feuchainn  ri  thuigsinn  ciod  a  tha 
cearr.  Tha  fhios  aca  gu  bheil  nithean  mora 
air  chor-eigin  a'  tachairt  a  tha  iongantach 
dhaibhsan,  ach  chan  urrainn  d'  an  inntinnean 
beaga  a  ghabhail  a  steach  ;  tha  iad  a'  beantail 


ri  iomall  broin  a  tha  os  cionn  an  tuigse.  Is 
ann  mar  so  a  tha  sinn  uile  a  thaobh  fulangais 
an  t-Slanuigheir  air  Calbhari ;  ann  an  onrach- 
das a  bhroin-san  chan  urrainn  sinn  comh-roinn 
a  bhi  againn,  ach  is  urrainn  sinn  ar  gliin  a 
liibadh  'na  lathair  le  urram  agus  eagal  dia- 
dhaidh,  a'  beannachadh  ainme  ar  Dia  agus  ar 
Tighearna  a  ghradhaich  sinn  eadhon  gu  bas. 
"  An  neo-ni  e  dhuibhse,  o  sibhse  uile  a  tha 
gabhail  seachad  ;  amhaircibh,  agus  faicibh  am 
bheil  doilgheas  sam  bith  cosmhuil  ri  mo 
dhoilgheas-sa  a  thugadh  orm  ?  " 

Do  bhrigh  gu'm  b'  aithne  do  losa  ann  an 
laithean  fheola  onrachdas  na  h-amhghair  agus 
mar  an  ceudna  onrachdas  a'  bhais  tha  e  coma- 
sach  air  cuideachadh  a  thoirt  a  nis  dhaibh-san 
uile  aig  nach  'eil  neach  eile  a  chuidicheas  iad, 
ma  ghlaodhas  iad  ris  agus  ma  dh'  eireas  an 
iirnuigh  suas,  "  Na  bi-sa  fada  uam,  oir  tha 
amhghar  am  fagus."  "  B'eigin  da  anns  na 
h-uile  nithean  a  bhi  air  a  dheanamh  cosmhuil 
r'a  bhraithrean,  a  chum  gu'm  bitheadh  e  'na 
ard-shagart  trocaireach  agus  dileas  ann  an 
nithean  a  thaobh  Dhe  ;  oir  a  mheud  's  gu'n  d' 
fhuilii:ig  e  fein,  air  dha  bhi  air  a  bhuaireadh, 
tha  e  comasach  air  cabhair  a  dheanamh  orra- 
san  a  tha  air  am  buaireadh." 

Is  e  uair  na  h-airce  an  uair  anns  am  foill- 
sich  ar  n-Athair  neamhaidh  a  ghras  am  pailteas, 
oir  cha  tuig  duine  a  chomhfhurtachd  a  tha  ann 
an  Dia  gus  an  cuir  e  deuchainn  air  agus  an 
gabh  e  fasgadh  fo  a  sgiathan.  Cha  do  ghlaodh 
duine  riamh  air  Dia  an  diomhanas  ;  ma  their 
sinne  gu  diirachdach  agus  gu  creidmheach, 
Na  bi-sa  fada  uainn,  a  Thighearna,  thig  an  Tigh- 
earna da  rireadh  d'  ar  n-ionnsuidh,  a  dh'  ath- 
bheothachadh  ar  n-anama  agus  a  leigheas 
leon  ar  ci'idhe.  Agus  chan  e  mhain  gu'n  tig 
e  d'  arn-ionnsuidh  ach  fanaidh  e  maille  ruinn. 

O  dhbchais  Israeli,  a  Shlanuighear  ri  am 
teanntachd,  c'  uim  am  bitheadh  tu  mar  fhear- 
cuairt  anns  an  itr  ?  Agus  mar  fhear-turuis  a 
thionndaidheas  a  leth-taobh  gu  fuireach  car 
oidhche  ?  C'uim  am  bitheadh  tu  mar  ghaisgeach 
aig  nach  'eil  cumhachd  gu  tearnadh.  Gidheadh 
tha  thusa,  O  lehobhah,  'n  ar  meadhon,  agus  ort-sa 
tha  sinn  air  ar  n-ainmeachadh ;  na  dean  ar 
treigsinn. 

Riaghailtean  glic 

1 .  Na  cosd  do  thuarasdal  m'an  coisinn  thu  e. 

2.  Na  ceannaich  rud  nach  'eil  a  dhith  ort  ged 
gheibheadh  tu  e  ion  's  a  nasgaidh. 

3.  Na  cuir  dragh  air  daoine  eile  ma  theid 
agad  air  rud  a  dheanamh  thu  fein. 

4.  Na  biodh  naire  ort  a  bhi  crionna  caomh- 
nanta. 

5.  Na  biodh  iomgain  ort  mu  dhriod-fhortainn 
nach  do  thachair  dhuit  fhathast.  Theagamh 
nach  tachair  iad  idir. 


Air 


93 


o 


Anns  a'  Chubaid 


Bheothaich  £  fhacal  mi." — Salm  cxix.  50. 


CHUIREADH  na  miltean  air  thalamh  agus 
air  neanih  an  aonta  ris  an  t-salmadair,  gu'n 
do  bheothaich  facal  Dhe  iad,  oir  tha  fhacal-san 
comasach  air  daoine  a  dheanamh  glic  a  chum 
slainte.  Ach  is  e  ciiis  is  truaighe  an  diugh, 
nach  'eil  ach  gle  bheag  de'n  t-s]uagh  a'  leughadh 
a'  Bhiobuill. 

An  drasd  's  a  rithist  bidh  mi  a'  faicinn  anns 
na  paipearan-naigheachd,  agus  a'  cluinntinn 
bho  urrainnean  as  firinniche  na  na  paipearan,  gu 
bheil  muilleanande  Bhiobuill  air  an  clo-bhualadh 
a  h-uile  bliadhna  agus  air  an  craobh-sgaoileadh 
air  feadh  na  diithcha,  ach  air  uairean  bidh  e  a' 
cur  ionghnaidh  orm  c6  a  tha  'g  am  faotainn, 
no  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh  riu,  oir,  a  reir 
choltais,  chan  ami  airson  an  leughaidh  a  tha 
iad  'g  an  ceannach  co  dhiu.  Cha  nihor  gu  'n 
gabh  e  creidsinn  cho  aineolach  's  a  tha  daoine 
air  na  sgriobturan  an  diup'h,  affus  sin  daoine 
turail  is  daoine  crabhach  a  leumadh  ort  na'n 
abradh  tu  nach  'eil  an  sgriobtur  air  a  dheachdadh 
le  Dia.  Ma  theid  thu  do'n  cheardaich,  agus 
ma's  maith  leat  naigheachd  lir  innseadh,  naigh- 
eachd  nach  cual  iad  riamh,  chan  'eil  agad 
ach  naigheachd  innseadh  dhaibh  as  an  t-seann 
Tionmadh. 

Cha  b'e  Luther  a  bheothaich  an  Rionn-Eorpa 
aig  am  an  Ath-leasachaidh,  ach  facal  an  Tigh- 
earna.  Cha  do  rinn  Luther  ach  ani  facal  a 
thoirt  am  follais.  Anns  na  linntean  roimh  sin 
bha  e  air  fholuch  air  an  t-sluagh,  ach  fhuair 
Luther  am  facal  a  bha  air  chall  agus  thug  e 
do'n  t-saoghal  e  as  iir  mar  thiodhlac  Dhe.  Agus 
bha  gairdeachas  mor  anns  a'  Ghearmailt  agus 
ann  an  Albainn  anns  na  laitheann  sin. 

Tha  am  Biobull  a  nis  anns  a  h-uile  tigh  ;  tha 
e  air  a  theagasg  anns  na  sgoilean  ;  tha  e  air  a 
chur  a  mach  ann  an  ceud  canain,  ach  air  a  shon 
sin  uile  tha  eolas  dhaoine  air  an  sgriobtur  a' 
dol  an  lughad  agus  chan  'eil  iad  'g  a  leughadh 
mar  a  b'  abhaist  daibh.  Tha  am  Biobull  air 
a  dhimeas  agus  air  a  chur  air  chul  le  daoine, 
ach  cha  ruig  sinn  a  leas  fiughair  a  bhiagainngu'n 
ath-bheothaich  Dia  obair  ann  an  Albainn  gus 
an  cladhaich  sinn  as  iir  na  tobraichean  a  tha 
air  an  dimadh. 

Tha  aon  rud  ann  a  gheibhear  anns  a'  Bhiobull 
nach  fhaighear  ann  an  aite  air  bith  eile,  eblas 
air  an  Dia  hheb  agusfhkor  agus  air  losa  Criosd  a 
chuir  e  uaith.  Chan  'eil  e  ceart  do  dhaoine  a 
bhi  dol  do  'n  Bhiobull  a  dh'  iarraidh  soluis  air 
cuisean  ris  nach  'eil  am  Biobull  a'  gabhail 
gnothuich.     A  thaobh  cursa  naduir,  is  aois  an 


t-saoghail,  is  obair  a'  chruthachaidh,  is  nithean 
eile  mar  sin,  b'  fhearr  dhuit  Darwin  a  cheas- 
nachadh  na  Pol  ;  dh'  innseadh  Newton  dhuit 
iomadh  rud  mu  na  creagan  agus  na  reultan  air 
nach  robh  fhios  aig  Maois.  Ach  tha  am  Biobull 
a'  toiseachadh  far  am  bheil  an  luchd-ealain  a' 
sgur  ;  tha  e  a'  labhairt  le  iighdarras  air  nithean 
nach  h-urrainn  daibh-san  a  chur  air  an  sligean- 
tomhais,  agus  a'  toirt  anam  an  duine  an  lathair 
a'  Chruitheir.  Tha  mi  an  diiil  nach  d'  fhoillsich 
Dia  riamh  do  dhuine  leis  an  Spiorad  Naomh 
rud  air  bith  a  rachadh  aige  air  fhaotainn  a 
mach  le  thiir  agus  le  reusonachadh  fein.  Theid 
aig  niac  an  duine  air  a  thuigsinn  le  cumhachd 
inntinn  fein  ciamar  a  bha  an  saoghal  air  a 
chruthachadh,  air  chor  agus  nach  'eil  feuni  aige 
gu'm  biodh  sin  air  f  hoillseachadh  dha  air  mhodh 
spioradail  ann  an  taisbeanadh  o  Dhia.  Ach  cha 
b'  urrainn  mac  an  duine  fhaotainn  a  niach  le 
solus  a  reusain  fein  an  rim-diomhair  d'a  thaobh 
a  bha  ann  an  cridhe  Dhe  o  shiorruidh-eachd, 
agus  is  e  si?i  an  run  -diomhair  a  tha  air f  hoillseachadh 
amis  a'  Bhiobtdl. 

Tha  moran  dhaoine  am  beachd  gu  bheil 
iighdarras  a'  Bhiobuill  air  a  mhilleadh,  agus  gu 
bheilear  a'  togail  fianuis-bhreige  'n  a  aghaidh, 
ma  theirear  gu  bheil  facal  dhaoine  ann  cho 
mhaith  i-i  facal  an  Tighearna,  no  ma  theirear 
gu  bheil  mearachdan  beaga  ann,  no  gu  bheil 
rud  ri  fhaotainn  ann  an  leabhar  lob  a  tha  an 
aghaidh  rud  a  gheibhear  ann  an  litrichean  Phoil. 
Coma  leam  a'  pheasanachd  sin,  peasanachd  na 
h-inntinri  litireil.  Ged  is  mor  mo  mheas  air 
Maois  is  Pol  chan  ann  air  neo-mhearachdas  fir 
seach  fir  dhiubh  a  bu  mhaith  leam  iighdarras 
a'  Bhiobull  a  bhi  air  a  steidheachadh  ;  tha 
iighdarras  a'  Bhiobuill  air  a  steidheachadh  air 
fianuis  an  Spioraid  Naoimh  fad  nan  linntean. 
An  uair  a  leughas  duine  an  leabhar  so,  is 
ionndrainn  'n  a  chridhe  an  geall  air  an  Dia 
bheo,  tha  fhios  aige  gu  bheil  an  rud  a  tha  Isaiah 
is  Pol  is  Criosd  ag  radh  fior,  oir  tha  an  Spiorad 
Naomh  'g  a  innseadh  dha  'n  a  chridhe,  agus 
leis  a'  cheart  fhianuis  tha  fhios  aige  gur  e  Dia 
a  chuir  'n  an  cridheachan-san  labhairt  mar  a  rinn 
iad,  do  bhrigh  nach  b'  urrainn  neach  air  bith 
eile  ach  Dia  labhairt  mar  so  ri  anam  an  duine. 

So  far  a  bheil  iighdarras  a'  Bhiobuill  r'a 
fhaotainn,  gu  bheil  cumhachd  aige  daoine  a 
bha  marbh  a  bheothachadh  agus  a  thoirt  gu 
Dia.  Bha  e  a'  deanamh  sin  air  feadh  nan  linn- 
tean ;  tha  e  'g  a  dheanamh  an  diugh  fhathast, 
aa:us    'ffa    dheanamh    chan    ann    ann    an    aon 


2 


ANNS  A'  CHUBAID— lOSA'S  AN  AS-EIRIGH 


diithaich  ach  anns  a  h-uile  duthaich.  Co  an 
leabhar  eile  a  dhuisgeas  coguis  mhic  an  duine 
mar  a  ni  an  leabhar  so  ?  Their  esan  sith  sith 
r'a  anam,  ach  le  aon  ghath  soluis  a  thilgeas  an 
leabhar  so  air  'anam,  tha  a  shith  's  a  shuaimhneas 
air  am  milleadh,  air  chor  agus  nach  e  sith  sith 
a  tha  e  a  nis  ag  radh,  ach  "  A  Thighearna  dean 
trocair  orm-sa  a  tha  a'm'  pheacach."  Ach  ma 
tha  facal  Dhe  geur  mar  chlaidheamh,  agus  ma 
lotas  e  an  t-anam,  tha  e  mar  an  ceudna  citiin 
is  milis,  agus  leighsidh  e  an  t-anam  a  leon  e. 
Cho  luath  's  a  thoisicheas  duine  air  bruidhinn 
air  cumhachd  a'  Bhiobuill  tha  e  air  a  chuarta- 
chadh  le  neul  de  fhianuisean,  aireamh  nach 
gabh  airmheadh  a  fhuair  misneach  is  neart  is 
dochas  'n  am  beatha  agus  'n  am  bas  anns  an 
leabhar  so.  Sin  an  steidh  air  a  bheil  am 
Biobull  air  a  shuidheachadh,  steidh  nach  gabh 
carachadh,  agus  sin  an  rud  a  dhearbhas  gur 
facal  Dhe  e. 

A  h-uile  Sabaid  tha  corr  is  ceud  mile  searmon 
air  an  liubhairt  ann  am  Breatunn  ;  searmoin  de 
gach  seorsa  dath  ;  geal  is  dubh  is  lachdunn ; 
maith  is  dona  is  meadhonach  ;  cuid  dhiubh 
milis  do'n  bhlas  is  cuid  dhiubh  seai-bh  r'  an 
eisdeachd  ;  cuid  dhiubh  tioram  is  cuid  dhiubh 
gun  tiir  ;  ach  ged  tha  sin  a'  dol  air  aghaidh 
a  h-uile  Sabaid  o  chionn  ceithir  no  coig  cheud 
bliadhna  tha  am  Biobull  fein  as  am  bheil  na 
searmoin  sin  uile  air  an  tarruing  cho  urail  's  a 
bha  e  riamh.  Co  an  leabhar  eile  a  sheasadh  a' 
ghiollachd  a  fhuair  e  gun  e  dhol  'na  luideagan 
agus  gun  daoine  a  dh'  fhas  sgith  dheth  ?  Cleas 
na  mnatha  mu  bheil  Marc  ag  innseadh  dh' 
f hulling  am  Biobull  moran  o  iomadh  sear- 
monaiche,  ach  a  dh'  aindeoin  sin  tha  e  beo 
fhathast  agus  a'  toii't  beatha  is  sonas  do  na 
miltean.  Is  tobar  e  nach  traoigh  gu  brath,  agus 
coltach  ris  an  aran  a  bhris  an  Slanuighear,  mar  is 
mo  a  bhrisear  e  is  ann  is  mo  a  mheudaicheas  e. 

Ma  dh'  fhaodas  mi  a  radh  gun  tllu  'g  am 
thogail  cearr,  a  leughadair,  bhiodh  e  'na  bhuan- 
nachd  do'n  eaglais  agus  do  aobhar  an  Tighearna 
ann  an  Albainn  na'n  stadadh  ministearan  de 
shearmonachadh  agus  na'n  toisicheadh  iad  air 
facal  Dhe  a  theagasg.  Tha  cuid  de  mhinistearan 
a'  teagasg  facal  an  Tighearna  daonnan  ;  is  e 
sin  toiseach  is  meadhon  is  deireadh  an  sear- 
monachaidh.  Ach  tha  gu  leoir  eile  nach  'eil 
a'  deanamh  sin  ;  chan  'eil  iad  ach  a'  teagasff 
am  beachdan  fein.  Ged  a  ghabhas  iad  ceann- 
teagaisg  chan  'eil  feum  air  bith  aca  air  ach  mar 
thiotal  a  chuireas  iad  os  cionn  an  seanchais  fein. 
Dheanadh  an  searmon  feum  as   eugmhais  a' 


chinn-theagaisg  maith  gu  leoir,  agus  theagamh 
gu  robh  an  searmon  criochnaichte  m'am  do 
thoisicheadh  air  siubhal  air  son  earrann  de'n 
sgriobtur  a  fhreagradh  air.  Ma  chordas  sin 
r'an  luchd-eisdeachd  gu  dearbh  cha  chord  e 
rium  fein.  Coma  leam  searmoin  gun  am  Biobull 
annta  ;  coma  leam  ministearan  a  bhios  a'  togail 
luchairtean  gun  steidh  fodhpa,  no  bhios  a' 
deanamh  chlacha-creadha  gun  chonnlaich.  An 
uair  a  ghabhas  ministear  sgiathan  na  goraiche, 
agus  a  thoisicheas  e  air  searmoin  riomhach  a 
dheanamh  as  a  cheann  fein  mu  obair  nam  bard 
no  gloramas  nam  feallsanach,  an  aite  a  bhi 
mineachadh  nan  sgriobturan,  bu  cho  mhaith 
dhuit  a  bhi  sealltuinn  air  figheadair  a'  sniomh 
snath  as  a  chorp  ri  bhi  'g  a  eisdeachd.  Chan 
e  sin  a  bheathaicheas  spiorad  mhic  an  duine  ach 
facal  Dhe,  am  facal  a  tha  beo  is  cumhachdach, 
agus  a  bheir  breith  air  smuaintean  is  ruintean 
a  chridhe. 

Is  e  naimhaid  is  mo  a  tha  aig  a'  BhiobuU  an 
diugh  am  paipear-naigheachd,  mar  is  e  na 
naimhdean  is  mio  a  tha  aig  an  eaglais  an  carbad- 
ola  agus  tigh-nan-dealbh.  Tha  aon  spiorad 
anns  a'  Bhiobull  is  anns  an  eaglais,  agus  spiorad 
eile  anns  a'  phaipear-naigheachd  is  ann  an 
tigh-nan-dealbh,  air  chor  agus  nach  'eil  e 
comasach  dhaibh  imeachd  le  cheile  no  cordadh 
a  bhi  eatorra.  Diiisgidh  am  Biobull  urram  agus 
eagal  diadhaidh  ann  an  anam  mhic  an  duine  ach 
cha  diiisg  tigh-nan-dealbh  ann  ach  aotramas  is 
luaineachd  is  spiorad  na  peasanachd.  Tha  am 
paipear-naigheachd  feumail  'n  a  aite  fein,  ach 
cha  bu  choir  da  aite  a  Bhiobuill  fhaotainn,  mar 
a'  tha  e  a'  faotainn  ann  an  iomadh  teaghlach  an 
diugh.  Tha  gach  rud  eile  a  leughas  tu  gu  cron 
duit  ma  tha  iad  a'  toirt  bhuait  do  chail  air  son 
facal  an  Tighearna.  Oigridh  a  tha  air  an  togail 
air  a'  bhiadh  bhochd  a  gheibhear  anns  a' 
phaipear-naigheachd  no  ann  an  tigh-nan-dealbh 
chan  ion  daibh  anam  fallan  a  bhi  aca,  agus 
cha  rud  soirbh  e  urram  no  eagal  diadhaidh  a 
dhusgadh  annta  an  deidh  laimhe. 

Bu  mhaith  do'n  eaglais  agus  do'n  t-saoghal 
na'n  robh  luchd-aideachaidh  Chriosd  cumhach- 
dach anns  na  sgriobturan.  Tha  caoile  air  an 
anam  a  chionn  nach  'eil  iad  a'  beathachadh  air 
facal  Dhe.  Cha  dean  an  t-anam  feum  gun 
bhiadh  na's  mo  na  ni  an  corp,  agus  is  e  facal 
Dhe  aran  na  beatha.  Tha  iad  furasda  gu  leoir 
an  aithneachadh,  na  creidmhich  sin  a  bhios 
a'  leughadh  agus  a'  meomhrachadh  air  facal 
an  Tighearna  ;  tha  fas  is  abuchadh  orra  nach 
'eil  air  an  fheadhainn  nach  bi. 


losa's  an  As-eirigh 


Bu  mhaith  a  bhi  trie  a'  smaoineachadh  air  an 
Tighearna  agus  an  as-eirigh.  Tha  sinn 
basmhor  agus  trie  gu  leor  an  lathair  a'  bhais. 
Ach  gidheadh  is  ann  anmhuinn  agus  lapach  gu 


leor  a  bhios  ar  creidimh  agus  ar  bas  air  a  cheile  is 
sinn  aineolach  air  an  as-eirigh  is  air  an 
dachaidh  bhuan. 

A  bheil  anns  an  as-eiriah  ach  miorbhuil  ? 


lOSA'S  AN  AS-EIRIGH— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


3 


Chuir  an  Crann  na  deisciobuil  troimhe  cheile. 
Cha  robh  fhios  idir  ciod  bu  chiall  dha  leithid. 
Gum  biodh  losa  o  Nasaret  air  a  cheusadh,  ge 
nach  biodh  ami  ach  e  fhein,  bu  leor  e  chur 
dhaoine  glic  is  fhealsanaich  a  cochul  an  cridhe. 
Co  ach  deamhnan  aig  an  robh  chridhe  dhol  eadar 
losa  agus  a  mhaith  ? 

Ma  chuir  an  Crann  na  deisciobul  troimhe 
cheile  chuir  an  as-eirigh  'n  am  breisHch  buileach 
iad.  Lion  e  an  cridheachan  le  bron.  An 
fheadhan  a  chaidh  a  dh'ionnsaigh  na  h-uaghach 
a  shathachadh  an  cridhe  la  bron  a'bhais,  chun- 
naic  iad  ni  nach  robh  suil  ris  !  Chunnaic  iad  i 
nach  do  dhiochuimhnich  iad  a  riamh  air  an 
talamh. 

Ach  an  uair  a  bha  an  siiilean  air  am  fosgladh 
agus  a  chunnaic  iad  an  gniomh  oirdhearc,  ghlac 
an  cridheachan  teine.  Bha  iad  an  saoghal 
nuadh.  Chan  e  mhain  saoghal  anns  an  robh 
losa  beo  ach  losa  is  a  chridhe  Ian  de  gradh,  agus 
a  lamhan  gniomhach  anns  gach  coibhneas 
graidh.  Cha  b'urrainn  daoine  dhol  troimh  na 
bha  an  sin  gun  eolas  fhaotain  air  a'  chrann- 
cheusaidh.  An  sin  fhuair  iad  a  mach  ciod  bu 
's  ciall  do'  chrann  cheusaidh.  Cha  b'urrainn 
iad  na  bha  sin  a  bhrath  no  a  bhreathnachadh 
gun  fhios  f haotainn  air  an  son  fhein  air  tomhais 
a'  chumhachd  agus  a  shith.  B'e  losa  fhein  a 
mhioi-bhuil  bu  mho  agus  mar  an  ceudna  an 
fhirinn  bu  mho. 

Buidheachas  do  Dhia  air  son  nam  miorbhuil 
agus  na  firinn  a  tha  air  a  dheanamh  soilleir  an 
losa  Criosd  :  a,  mhiorbhuil  agus  an  fhirinn  a 
tha  air  an  deanamh  soilleir  an  Crann-ceusaidh 
Chriosd  ;  a'  mhiorbhuil  agus  an  fhirinn  a  tha 
air  an  deanamh  soilleir  an  aseirigh  Chriosd. 

Gloir  a  Chrainn-cheusaidh. 

Ged  a  bhuail  am  bas  trom  air  affus  ffed  a 
phaigh  e  daor  air  iocshlaint  na  saorsa,  a 
choisinn  e  cha  do  chuir  e  fodha  e  anns  na 
fiachan.  Cha  do  dh'fhag  am  bas  briste  anns 
na  fiachan  e.  Is  e  bha  'n  a  bhas  iobairt  anns 
an  robh  airidheachd  neo-chriochnach.  Is  e  bha 
'n  a  aseirigh  dearbh-chinnte  air  an  fhireana- 
chadh  chothromach  a  choimhlion  e  'n  a  bhas. 
Is  e  bha  'n  a  iobradh  riarachadh  siorruidh.  An 
robh  'n  a  as-eirigh  ach  raseit,  sgriobhadh 
naomha  shiori'uidh.  Aoibhneas  nan  uile  aoibh- 
neas  :  tha  e  beo  o  na  marbhabh.  Rinn  e 
crioch   air  bas  is  peacadh.     Tha  e   beo   o   na 


marbhaibh,  agus  tha  an  as-eirigh  sin  air  a 
leughadh  anns  gach  cearna  dhe  rioghachd,  mar 
fhianuis  chinnteach  air  gun  chriochnaicheadh 
an  obair  a  thugadh  dha  x'i  dheanamh,  agus  gu 
bheil  gach  neach  dhiubh  sud  a  tha  ag  earbsa 
na  phearsa  is  'n  a  bhas  air  am  fireanachadh  le 
maitheanas  siorruidh. 

Cumhachd  na  h-as-eirigh. 

Tha  an  as-eirigh  a'  deanamh  ni  nuadh  dhe  'n 
bhas  agus  dhe  'n  uaigh.  Their  an  as-eirigh  ris 
an  uaigh,  is  blar  fosgailte  thu  am  lathair-sa,  agus 
their  i  ris  a'  bhas  leig  as  do  ghreim.  Le 
ughdaras  Righ  nan  righrean  agus  cumhachd 
Prionnsa  Chalbhari  is  e  mo  thoil-sa  a  tha 
riaghladh  tuilleadh  ge  b'e  aite  san  cuirear  cria 
fo  thalamh.  "  O  uaigh  c'ait  a  bheil  do  bhuaidh 
etc.  !  " 

Tha  an  as-eirigh  a'  deanamh  ni  nuadh  dhe 
ar  corp  basmhor.  "  A  chruthatharraich 
ar  corp  diblidh,  chum  gun  deanar  e  comh- 
chosmhuil  r'a  chorp  glormhor  fein."  A  bheil 
sinn  a  faighneachd  co  ris  a  bhios  ar  corp  col- 
tach  an  la  na  h-as-eirigh  ?  Ma  tha  is  e  so 
am  freagradh:  cosmhuilri  chorp  glormhor  fein." 
Nach  breagha  an  ni  an  t-as-eirigh,  an  uair  a  ni 
e  ar  corp  basmhor-ne  co-chosmhol  ri  corp  glor- 
mhor Chriosd  fein  ! 

Nach  iongantach  an  cadal  a  tha  an  so,  A 
bheil  e  cur  smaoin  ort }  Nach  breagha  an 
diisgadh  as  a  bheil  daoine  sniuaisleachadh,  is 
faffail  ffach  driiid  aaus  gach  mi-mhais  as  an 
dheidh  gu  brath.  Corp  basmhor  air  a  dhea- 
namh coltach  ri  corp  glormhor  Chriosd.  Sin 
far  am  bi  an  t-atharrachadh  beannaichte  ! 
Nach  iongantach  gu  dearbh  !  Chan  eil  deis- 
ciobuil air  nach  toir  e  atharrachadh  eadhon  ged 
a  thainig  atharrachadh  orra  roimh.  Is  ann 
dorch  gu  leor  a  bha  iad  roimh  'n  so  ach  a  nis  tha 
iad  dealrach.  Thig  an  so  bha  iad  gealtach  ach 
theid  mi  an  urras  nach  gealtach  iad  na  's  fhaide. 

Ge  is  mor  an  rud  ri  radh  e  tha  cumhachd  na 
h-as-eirigh  a'  cruth-atharrachadh  Chriosd.  A  ris 
agus  a  ris  bha  e  air  a  chur  gu  tair  agus  gu 
dhubhlan  le  Impireachd  na  Roimh.  Bha  e  nise 
gidheadh  air  eiridh  o  na  marbh  :  an  Tighearna 
a  bha  marbh  ach  a  tha  beo  :  'na  Thighearna 
nam  marbh  agus  'n  a  thighearna  nam  beo.  Tha 
rioghachd  spioradail  fo  a  riaghladh — is  e  Sla- 
nuighear  an  t-Saoghail.  Dhasan  gun  robh  na 
h-uile  ffhloir. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  uair  a  shuidheas  mi  air  an  tolman  so  anns 
JTxa'  Choille  Bheithe  is  ann  mar  is  trice  air 
maise  is  diomhaireachd  a'  chruthachaidh  a 
bhios  mi  a'  meomhrachadh,  no  air  ciirsa  na 
bliadhna,  no  air  gne  is  doighean  nan  creutairean 
a  chi  mi  anns  a'  choille,  ach  an  diuffh  thainig 
rud  eile  gu  m   inntinn  air  am  bu  mhaith  leam 


seanchas  a  dheanamh  riut-sa,  a  leughadair, 
agus  mur  toir  mo  sheanchas  solus  dhuit  nach 
'eil  agad  cheana  theagamh  nach  misd  mi  fhein 
oidhirp  a  dheanamh  air  cumadh  a  thoirt  do  mo 
smuaintean  le  briathran  a  chur  orra. 

O  chionn  ghoirid  chuala  mi  caraid  a'  sear- 
monachadh,   agus   am   ineasg   nithean   eile    a 


4 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


thubhairt  e,  thubhairt  e  nach  robh  e  idir  duilich 
sluagh  an  t-saoghail  a  roinn  'nan  da  bhuidheann; 
na  caoraich  a  chur  air  an  aon  laimh  agus  na 
gobhair  air  an  laimh  eile.  Ged  nach  robh  na 
labhair  e  'na  fhirinn  iir,  agus  ged  nach  ba 
nihaith  learn  cur  an  aghaidh  na  thubhairt  e  a 
muigh  's  a  mach,  feumaidh  mi  a  radh  nach  b' 
ui-rainn  dhomh  labhairt  leis  an  dearbhachd  leis 
an  do  labhair  mo  charaid  air  ciiis  cho  dorcha. 
Tha  mi  a'  creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gach  facal 
a  labhair  an  Slanuighear.  Cuiridh  a  bhriathran- 
san  stad  air  gach  uile  chonnsachadh,  oir  bha 
eolas  is  gliocas  aige  nach  buineadh  do'n 
t-saoghal.  Thubhairt  esan  gu'n  cuir  Dia  a 
chaoraich  air  a  laimh  dheis  aig  la  a'  bhreith- 
eanais  agus  na  gobhair  air  a  laimh  chli,  ach 
CO  iad  na  gobhair  agus  c6  iad  na  caoraich  ?  Is 
e  sin  an  rud  a  tha  duilich  a  thuigsinn. 

Tha  e  soilleir  gu  leoir  do  Dhia,  oir  tha  esan 
uile-fhiosrach  is  uile-leirsinneach  ;  ach  tha  e 
cho  dorcha  do  dhaoine  's  gur  e  an  gliocas  dhaibh 
gun  bhreith  a  thabhairt.  Air  uairean  cluinnear 
daoine  a'  labhairt  mar  gu  'm  h'  aithne  dhaibh 
aireamh  nan  naomh  agus  aireamh  nan  aingidh, 
ach  ann  an  cluasan  dhaoine  tuigseach  chan  'eil 
gloramas  na  feadhnach  sin  ach  mar  ghleangar- 
saich  chiombal  no  mar  fhuain^  umha.  Shaoil 
na  deisciobuil  nach  bitheadh  e  duilich  dhaibh 
an  coffull  a  dhealachadh  o'n  chruithneachd,  ach 
dh'  iarr  am  Maighstir  glic  orra  gun  an  oidhirp 
a  dheanamh,  oir  bha  fhios  aige  nach  rachadh 
aca  air.  Tha  cridhe  mhic  an  duine  cho  domhain 
is  cho  diomhair  ris  a'  Chuan  Shiar,  agus  cha 
lugha  na  Dia  fein  a  thoimhseas  a  mhaitheas 
no  olcas.  Le  bheul  their  aon  duine  Sibolet, 
agus  le  bheul  their  duine  eile  Schibolet ;  ach 
is  suarrach  an  comharradh  sin  air  tuar  an  cridhe, 
no  air  an  cor  spioradail  am  fianuis  Dhe. 

Thog  searmon  mo  charaid  ceistean  sonraichte 
'n  am  inntinn  a  bhios  air  uairean  a'  cur  iongan- 
tais  orm,  agus  am  nieasg  nan  ceistean  sin  an  te 
so,  Ciod  a  theirear  ris  an  t-seorsa  dhaoine  a 
tha  diadhaidh  gun  a  bhi  maith  ?  Cha  ruig  thu 
leas  a  radh  rium,  a  leughadair,  nach  'eil  an 
seorsa  dhaoine  sin  ann.  Tha  iad  ann  ;  chan 
'eil  agad  ach  ruith  thairis  ann  ad  inntinn  air 
do  luchd-eolais  agus  chi  thu  gur  aithne  dhuit 
feadhainn  dhiubh.  Chan  'eil  mi  a'  ciallachadh 
chealgairean.  Tha  fhios  aig  a'  chealgair  nach 
'eil  e  diadhaidh  ;  chan  'eil  meas  aige  air  diadh- 
aidheachd  no  gradh  aige  dhi  ;  chan  'eil  innte 
dha  ach  cleoca  leis  a  bheil  e  a'  feuchainn  ris 
an  t-saoghal  a  mhealladh  a  chum  an  saoghal 
a  chosnadh. 

Ach  chan  'eil  dad  dheth  sin  ann  an  inntinn 
nan  daoine  air  a  bheil  mi  a'  labhairt.  Tha  iad 
onorach  ;  tha  iad  da  rireadh  crabhach  'nan 
cridhe,  agus  tha  de  mheas  aca  air  an  diadhaidh- 
eachd  's  gu  bheil  e  'na  bhron  dhaibh  nach  'eil 
daoine  eile  cho  diadhaidh  riutha  fhein.  Tha 
iad  a'  creidsinn  an  t-sois^eil,  tha  iad  a'  faireach- 


duinn  nithean  an  t-saoghail  spioradail,  agus 
bheir  sailm  is  iirnuighean  is  aoradh  na  h-eaglais 
solas  is  togail-cridhe  dhaibh.  Is  toigh  leo  a 
bhi  bruidhinn  air  nithean  spioradail,  agus  air 
faireachduinnean  solasach  an  anama  fo  bhuaidh 
spiorad  an  Tighearna,  agus  tha  na  faireachduin- 
nean sin  aca  gun  teagamh.  An  tlachd  a  tha 
ceol  a'  toirt  do  'n  chluais,  no  maise  do  'n  t-siiil, 
tha  nithean  an  t-saoghail  spioradail  a'  toirt  an 
tlachd  sin  dhaibhsan.  Agus  an  uair  a  labhras 
iad  umpa  tha  reamhrachd  is  ungadh  'nam 
briathran. 

Ach  a  dh'  aindeoin  sin  uile  chan  urrainn  thu 
a  radh  gur  daoine  maith  iad.  Ged  tha  inntinn 
spioradail  aca  ann  an  tomhas,  tha  iad  mar 
dhaoine  fada  air  dheireadh  air  feadhainn  eile 
aig  nach  'eil  ach  an  inntinn  nadurra.  Gle 
bhitheanta  chan  'eil  iad  coibhneil  ;  cha  toir 
iad  ceartas  no  blaths  d'  ah  daimhich.  Tha  iad 
dona  d'  am  mnathan  agus  d'  an  cloinn.  Chan 
urrainn  thu  dol  an  urras  orra  ann  an  ceum 
seach  ceum  ;  a  thaobh  airgid  no  a  thaobh 
peacaidhean  na  feola.  Chan  urrainn  thu  a 
radh  gu  bheil  iad  coir,  no  gii  bheil  iad  ciiiin, 
no  gu  bheil  iad  iriosal,  no  gu  bheil  tomhas  sam 
bith  aca  de  spiorad  Chriosd  ;  ach  f  hathast  tha 
iad  diadhaidh  agus  sin  gun  chealg.  Tha  iad  a' 
faotainn  toilinntinn  'nam  faireachduinnean 
spioradail  fhein  agus  ann  am  beachd-smuai- 
neachadh  air  nithean  neo-fhaicsinneach.  Tha 
iad  fo  bhuaidh  an  t-saoghail  eile  mar  nach  'eil 
daoine  as  fbearr  na  iad,  agus  tha  bias  aca  air 
diadhaidheachd  agus  tuigse  anns  na  nithean  a 
bhuineas  dhi  nach  'eil  aig  daoine  a  tha  moran 
}ia's  fiachaile  na  iad.  Ciod  a  their  thu  ris  an 
t-seorsa  so  ?  Co  dhiubh  is  caoraich  no  gobhair 
iad? 

Fagaidh  mi  a'  cheist  sin  agad  fhein,  a  leugha- 
dair, gu  bhi  cnuasachadh  oirre  air  do  shocair. 
Ach  a  reir  choltais,  tha  Dia  air  uairean  a'  toirt 
soluis  spioradail  do  dhaoine  nach  'eil  a'  gluasad 
ann  ;  a'  toirt  eolais  air  nithean  neo-fhaicsinn- 
each do  dhaoine  nach  fiii.  Car  son  a  tha  e  a' 
deanamh  sin,  chan  urrainn  sinne  a  radh. 

Agus  ciod  a  theirear  mu  na  daoine  a  tha 
maith  gun  a  bhi  diadhaidh  ?  Ma  theid  thu  a 
ris  thairis  ann  ad  inntinn  air  do  luchd-eolais  tha 
mi  ffle  chinnteach  gur  aithne  dhuit  moran  de 
'n  t-seorsa  so  ;  daoine  a  tha  cho  fior  agus  cho 
glan  'nan  cridhe  ris  an  or,  ach  aig  nach  'eil 
suim  do  dhiadhaidheachd.  Chan  'eil  mi  a' 
ciallachadh  mi-chreidich  is  luchd-aicheadh  Dhe, 
ach  daoine  aig  nach  'eil  bias  air  nithean  spiora- 
dail agus  nach  'eil  a'  faireachduinn  iarrtus  sam 
bith  air  a  bhi  fo  bhuaidh  an  t-saoghail  eile. 
Theagamh  nach  urrainn  iad  fhein  a  radh  co 
dhiu  a  tha  no  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  teagasg 
na  h-eaglais,  oir  cha  tug  iad  riamh  da  smuain 
do  'n  ghnothuch.  Ma  tha  no  nach  'eil  e  fior, 
cha  do  chuir  e  riamh  dragh  air  an  inntinn,  agus 
cho   mho    a   tha    e    deanamh   muffhadh    'nam 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— CAIRDEAN  PHOIL 


beatha.  Chan  'eil  tart  'nan  anam  an  geall  air 
Dia.  Tha  iad  Ian  riaraichte  leis  an  t-saoghal 
so  agus  tha  an  saoghal  eile  dhaibh  air  a  chuarta- 
chadh  le  ceo  diimhail.  Chan  fhaca  is  cha  d' 
fhairich  iad  riamh  dad  air  an  greimich  iad, 
agus  'nuair  a  chkiinneas  iad  daoine  eile  a' 
labhairt  mu  nithean  neo-fhaicsinneach  tha  an 
cainnt  dhaibh  mar  Ghreugais.  Cha  toigh  leo 
thu  thoirt  tarruing  'n  an  eisdeachd  air  Dia  no 
air  diadhaidheachd,  oir  tha  a  leithid  sin  de 
sheanchas  ionnan  dhaibh  ri  seanchas  mu  'n 
bhas.  Tha  e  a'  cur  truime  air  an  inntinn,  agus 
b'  fhearr  leo  thu  'g  a  sheachnadh. 

Ma  theid  iad  do'n  eaglais  is  fada  leo  gus  an 
cluinn  iad  an  codhunadh,  oir  chan  'eil  cail  aca 
do  dhleasdanas  de  'n  t-seorsa  sin,  agus  tha  e 
'na  fhaochadh  dhaibh  tighinn  air  an  ais  gu 
nithean  faicsinneach  air  an  urrainn  an  inntinn 
greimeachadh. 

Tha  e  soilleir  nach  'eil  na  daoine  so  diadhaidh, 
agus  nach  'eil  an  inntinn  spioradail  aca  ;  ach 
a  dh'  aindeoin  sin,  tha  fhios  againn  (oir  is  aithne 
dhuinn  iad),  gu  bheil  moran  dhiubh  'nan  daoine 
cliiiteach  gasda.  Mur  'eil  nadur  crabhach  aca 
tha  nadur  uasal  aca,  agus  mur  'eil  cail  aca  do 
dhiadhaidheachd  tha  cail  aca  do  mhaitheas. 
Mar  mhaiffhstirean  tha  iad  coir  agus  faireach- 
dail  ;  mar  sheirbhisich  tha  iad  dileas  agus 
onorach.  A  reir  choltais,  chan  'eil  e  duilich 
dhaibh  na  h-aitheantan  a  choimhead,  oir  chan 
'eil  cail  aca  do  'n  olc.  Chan  'eil  cumhachd  sam 
bith  aig  an  fheoil,  no  aig  an  diabhol  thairis 
orra.  Tha  iadfirinneach,  iochdmhor,  coibhneil  ; 
gaolach  aig  an  cuideachd  fhein,  agus  measail 
aig  an  coimhearsnaich.  Cha  leasg  leo  dragh 
a  ghabhail  as  leth  dhaoine  eile  ma  tha  feum 
aca  air  an  cuideachadh,  agus  ni  iad  obair  na 
trocair  gun  e  thiffhinn  a  steach  'nan  inntinn 
gur  maith  a  rinn  iad.  Tha  cridhe  maith  aca, 
agus  ged  nach  'eil  iad,  a  reir  choltais,  a'  lean- 
tuinn  Chriosd  tha  iad  a'  deanamh  a  thoile. 
Ciod  a  theirear  ris  an  t-seorsa  so  ?  Co  dhiubh 
is  caoraich  no  gobhair  iad  ? 

Cuimhnich  nach  'eil  mi  a'  labhairt  mu  dhaoine 


nach  'eil  ann  ;  tharruing  mi  an  dealbh  a  thar- 
ruing  mi  o  dhaoine  as  aithne  dhomh  gu  maith, 
agus  is  aithne  dhuit-sa,  a  leughadair,  feadhainn 
de  'n  t-seorsa  so  cuideachd  ;  daoine  a  tha 
maith  gun  a  bhi  diadhaidh.  Tha  ar  Slanuighear 
ag  radh  gur  ann  air  a  toradh  a  dh'  aithnichear 
a'  chraobh  ;  nach  giulain  droch  chraobh  deagh 
thoradh,  agus  nach  tionail  daoine  figean  de  'n 
droighionn,  no  dearcan  fiona  de  'n  fhearr- 
dhris. 

Tha  gniomharan  nan  daoine  so  Criosdail  ged 
nach  'eil  an  inntinn  spioradail  aca  agus  ged  nach 
do  bhlais  iad  deagh  thiodhlac  Dhe  no  cumhach- 
dan  an  t-saoghail  ri  teachd.  Ach  ciod  am  fuaran 
as  a  bheil  uisgeachan  cho  milis  a'  sruthadh  ? 
Chan  iad  ar  smuaintean-ne  smuaintean  Dhe, 
ni  ni6  is  iad  ar  slighean-ne  a  shlighean-sa  ;  tha 
e  buileachadh  a  thiodhlacan  orra-san  a  tha 
mi-thaingeil  is  dearmadach  air  a  mhorachd 
aideachadh,  agus  faodaidh  e  bhi  nach  'eil  a 
ghras  air  a  chumhannachadh  rili-san  a  mhain  a 
dh'  aidicheas  e,  ach  gu  bheil  e  mar  an  ceudna 
ag  oibreachadh  annta-san  nach  .  tug  riamh 
iobairt  dha  ach  faile  ciibhraidh  an  oibrichean 
maithe.  Tha  mor-chridheachd  is  uaisle  ann 
an  Dia. 

An  uair  a  bheachdaicheas  duine  air  na  nithean 
sin,  agus  a  smuainicheas  e  air  na  daoine  as 
aithne  dha  gu  maith,  saoilidh  mi  nach  nach  bu 
choir  dha  a  ghabhail  air  fhein  a  radh  gu  bheil 
e  furasda  an  roinn  'nan  da  bhuidheann.  Chan 
'eil  diadhaidheachd  is  maitheas  daonnan  a' 
pogadh  beul  ri  beul,  agus  an  uair  nach  'eil, 
tha  sin  a  togail  cheistean  nach  urrainn  dhuinn 
fhuasgladh.  Mar  sin  bu  choir  dhuinn  a  chuimh- 
neachadh  gur  ann  do  Dhia  a  bhuineas  breith- 
eanas.  Ach  aon  ni  tha  cinnteach,  gur  e 
gradh  an  fhalluinn  as  maisiche  anns  an  sgea- 
daichear  an  diadhaidheach.  Uime  sin  cuireadh 
luchd-aideachaidh  Dhe  umpa,  cridhe  truacanta, 
coibhneas,  irioslachd,  macantas,  fad-fhulangas, 
agus  thar  nan  nithe  so  uile,  cuireadh  iad  umpa 
gradh,  oir  is  e  an  gradh  fior  chomharradh  na 
diadhaidheachd. 


Cairdean  Phoil 


Epaphroditus 
3Io  hlirathair,  agus  mo  cJiomh-oibrkhe,  agus  mo  chomh-shaif/hdear. — Philip,  ii.  25. 


T 


UIGEAR   na  briathran  so  na's  fhearr  ann 


robh  Pol  aig  an  am.  Bha  e  'n  a  phriosonach 
'san  Roimh,  ach  'n  a  phriosonach  neo-chumanta 
ann  an  seadh  an  fhocail  an  diugh.  Bha  e 
fuireach  an  tigh  mail.  Cha  robh  bacadh  air 
duine  sam  bith  tighinn  g'  a  fhaicinn  :  ach 
b'fheudar  do'n  phriosonach  fhein  an  tigh  's 
na  h-uile  costus  a  bhuineadh  dha  a  phaidheadh. 
Cha  b 'urrainn  Pol  sin  a  dheanamh. 


Sin,  ma  tha,  far  a  bheil  Epaphroditus  a' 
tighinn  an  toiseach  am  fradharc.  Tha  Po' 
fhein  ag  innse  an  duine  bh'ann.  Tha  e  al 
gairm  brathair  dheth.  Chan  'eil  sin  a'  ciallach- 
adh  gum  b'ann  troimh  Phol  a  chaidh  iompach- 
adh.  Bhuineadh  Epaphroditus  do  Philipi ;  agus 
gun  teagamh  b'e  Pol  a'  cheud  neach  a  shear- 
monaich  Criosd  am  Philipi.  Ach  cha  robh  e 
leis  fhein  anns  an  obair  sin  ;  gun  ghuth  a  thoirt 
air  na  mnathan  diadhaidh  aig;  an  robh  e  mar 


CAIRDEAN  PHOIL 


chleachdadh  a  bhi  coinneachadh  air  son 
urnuigh  mu'n  deachaidh  Pol  idir  gu  Philipi, 
bha  Silas  is  Lucas  is  Timoteus  'n  an  comh- 
oibrichean  maille  ris.  An  uair  a  dh'fhalbh 
iad  uile  dh'fhan  Timoteus.  Chan  'eil  teagamh 
nach  biodh  e  fein  is  Epaphroditus  gu  trie  an 
comunn  aon  a  eheile. 

Ged  nach  bu  mhae  Epaphroditus  do  Phol, 
ann  an  seadh  spioradail  an  f  hocail,  bu  bhrathair 
e  ann  an  seadh  co-ionnan  luachnihor.  Bhu- 
ineadh  iad  do'n  aon  athair,  do'n  aon  teaghlach, 
do'n  aon  seirbhis.  Sin  an  cliii  a  tha  aig 
Criosd.  "  Rugadh  brathair  fa  chonihair  amh- 
ghair  's  tha  tha  caraid  ann  as  dluithe  a  leanas  no 
brathair."  Bha  Epaphroditus  coltach  r'a 
mhaighstir  'san  rathad  sin.  Is  e  ni  mor  a 
tha  ann  an  sin.  Faodaidh  gur  e  an  ath  ni 
ann  an  cairdeas  a  mhaireas  gun  bhriseadh 
am  measg  gach  atharrachadh  a  dh'fhaodas 
tighinn.     Chan  'eil  sin  idir  cumanta. 

Ach  cha  b'e  mhain  gun  robh  Epaphroditus 
'n  a  bhrathair  aig  Pol,  bha  e  cuideachd  'n 
a  chomh  -  oibriche  ann  an  saothair  an  t- 
Soisgeil.  Faodaidh  gu  bheil  sin  a'  ciallachadh 
gu'n  do  chuidich  Epaphroditus  Pol  anns  an 
dusgadh  mhor  a  thachair  ann  an  Philipi, 
dire  ach  mar  a  bha  Moody  agus  Sankey  air  an 
cuideachadh  le  iomadh  neach  anns  an  t- 
saothair  a  rinn  iad  an  Alba.  Co  dhiubh, 
bha  an  obair  an  Philipi  na  bu  mho  na  gum 
b'urrainn  aon  duine  a  deanamh.  Bha  Philipi 
'n  a  bhaile  mor.  Air  dha  bhi  air  a  shuidhea- 
chadh  air  criochaibh  na  Roinn  Eorpa  agus 
na  h-Asia  bhiodh  sluagh  ro  mhor  ag  imeachd 
troin^he,  cuid  dhiubh  a'  dol  an  ear,  cuid  an 
iar,  a'  mhor  chuid  'n  am  marsantan.  Faodaidh 
gu  bheil  e  ciallachadh  sin. 

No  faodaidh  gu  bheil  e  a'  ciallachadh  gun 
robh  Epaphroditus  a'  cuideachadh  Phoil  anns 
an  obair  a  bha  e  deanamh  'san  Roimh.  Cha 
robh  Pol  idir  'n  a  thamh.  Ged  nach  robh 
saorsa  aige  dol  a  mach  as  a  thigh  bha  saorsa 
aig  a  chairdean  is  eile  a  ruigheachd  far  an 
robh  e  ;  ged  tha  sinn  cinnteach  gun  robh  cuid 
ann  a  dh'fheumadh  na  h-uile  misneach  air  son 
sin  a  dheanamh.  Bha  an  sgriobhadair  air 
aon  a  bhiodh  ris  an  obair  sin  coimhcheangailte 
ri  coinahthional  's  a'  bhaile  mhor.  Air  feasgar 
alainn  samhraidh  bha  sinn  a'  cumail  coinnimh 
aig  oisinn  sraide  aig  nach  robh  an  t-ainm  a 
b'fhearr.  Am  measg  a'  bheagain  a  bha 
cruinn,  bha  boirionnach  an  eideadh  bochd. 
Bha  i  a'  sior  amharc  air  an  sgriobhadair.  Mu 
dheireadh  thainig  i  far  an  robh  e  agus  dh'innis 
i  CO  i  :  bana-Ghaidheal  air  an  robh  an  sgrio- 
bhadair eolach,  ach  mo  thruaighe  a  bha  air  a 
toirt  gu  mor  do'n  deoch  laidir.  Air  dha 
fhoighneach  ciamar  a  bha  an  duine  aice  b'e 
an  fhreagairt  a  fhuair  e  :  "  Chan  'eil  e  beo, 
mharbh  mi  e — mharbh  mo  chaithe-beatha  e  !  " 
Thainig  i  a  stigh  do'n  eaglais  ach  ciod  a  thachair 


dhith  chan  urrainnear  innse.  Faodaidh  gun 
robh  cuibhrionn  de'n  obair  sin  aig  Epaphroditus 
r'a  dheanamh  agus  faodaidh  gum  b'ann  mar 
sin  a  bha  Onesimus  air  a  thoirt  a  dh'ionnsaigh 
Chriosd.  Theich  e  o  a  mhaighstir  Philemon, 
do'n  Roimh. 

Fhad  's  a  mhair  na  ghoid  e  o  a  mhaighistir 
cha  robh  uallach  sam  bith  air  ;  ach  an  uair 
nach  robh  sgilhnn  'n  a  phoca  fhuair  Epaph- 
roditus e  :  thug  e  dh'ionnsaigh  Phoil  e,  agus 
thug  Pol  e  dh'ionnsaigh  Chriosd. 

Tha  e  airidh  a  thoirt  fanear  gur  e  gle 
bheag  a  bha  Pol  fhein  ag  innse  mu  'n  obair  a 
bha  e  a'  deanamh's  an  Roimh.  Chan  urrainn 
sinn  gun  a  bhi  doilich  air  son  sin.  P'eumaidh 
gun  robh  an  obair  mor.  Chan  'eil  e  doirbh 
dealbh  a  dheanamh  air  duine  agus  duine  a' 
tighinn  a  dh'ionnsaigh  an  tighe  ud  anns  an 
robh  Pol  'n  a  phriosonach,  cuid  air  an  latha, 
a'  chuid  bu  mho  air  an  oidhche,  gus  mu 
dheireadh  an  cuimhnich  sinn  air  briathran  an 
t-Salmadair  : 

"  'N  sin  airmhidh  e  gum  b'ann  an  sud 
Bha  'm  fear  so  air  a  bhreith." 
B'e  an  dara  ni  ann  an  cliu  Epaphrodituis,  cho 
misneachail  's  a  bha  e  mar  dheagh  shaighdear 
an  Tighearna  losa  Criosd.  Fhuair  e  cothrom 
air  an  sin  an  uair  a  thainig  e  gu  bhi  aithnichte 
gun  robh  Pol  'n  a  phriosonach — mios  ann  an 
deidh  dha  tachart.  An  uair  a  thainiff  e  g;u 
cluasan  nam  Philipianach  c'aite  an  robh  e 
agus  a  chor  uireasbhuidheach  cha  d'rinn  iad 
moille  ann  a  bhi  a'  cur  cuideachadh  d'a 
ionnsaigh  le  Epaphroditus.  Tha  e  coltach 
gun  do  thairig  e  e  fein  air  son  na  h-obair  agus 
cha  robh  sin  soirbh.  Bha  an  turus  fada  agus 
cunnartach,  gu  h-araidh  do  chriosduidh.  Cha 
ruigeadh  e  leas  diiil  a  bhi  aige  ri  cuideachadh 
o  chinneach  na  o  ludhach.  Chan  'eil  e  coltach 
cuideachd  gun  robh  e  'n  a  dhuine  laidir.  Co 
dhiubh  bhuail  tinneas  air  an  turus  e,  ach  an 
ceann  uidhe  chuir  e  roimhe  rainig  e  gu  sabhailt 
agus  mar  a  dh'fhaodas  sinn  a  thuigsinn,  gu 
taingeil. 

Chan  'eil  e  uime  sin  iongantach  ged  a  tha 
Pol  a'  gairm  de  Epaphroditus  "  Mo  Cho- 
shaighdear  "  Cha  mho  na  sin  a  tha  e  iongantach 
ged  thuigeamaid  uaith  cionnus  a  dh'fheumas 
comhrag  a  bhi  anns  a  h-uile  beatha  a  tha 
folaichte  maille  ri  Criosd  ann  an  Dia.  Mur  bi 
comhrag  an  leth  a  muigh,  bidh  e  iongantach, 
air  neo  bithidh  eagalan  on  leth  a  stigh.  Cha 
dean  na's  lugha  na  Ian  armachd  a'  chreidimh 
an  gnothuich. 

Co-ionnan  ri  fein-fhiosrachadh  Epaphrodituis 
tha  ceum  dleasanais  uairean  doirbh  a  shiubhal. 
Ann  an  tomhas  bheag  no  mhor  tha  sin  so- 
thuigsinn.  Ma  bhrisear  laghanna  naduir 
cha  leig  iad  duine  as  gun  pheanas.  Cha 
robh  neart  Epaphrodituis  co-ionnan  r'a  eud. 
Chan  fheumar    dearmad   cuideachd    a    dhea- 


CAIRDEAN  PHOIL— CHO  LUACHMIlOR  MS  AN  OR 


namh  air  mar  a  tlia  riiintean  grasnihor  an 
Tighearna  air  an  oibreachadh  a  mach  ann 
an  nithean  doirbh  an  giiilan.  Tha  e  a'  foill- 
seachadh  a  chunihachd  'n  ar  n-annihainneachd, 
a  shaoibhreas  'n  ar  bochdainn,  a  throcair,  a 
ghradh,  a  dhilseachd  ann  am  mothachadh  air 
ar  neo-aii'idheachd. 

Sin  mar  a  thachair  coimhcheangailte  ri 
turns  Epaphi'odituis  do'n  Roimh.  Air  dha 
ruigheachd  gu  sabhailte  bha  e  taingeil  toilichte, 


agus  Pol  agus  na  Philipianaich  maille  ris. 
"Chan  iad  mo  smuaintean - sa  bhur  smuain- 
tean  -  sa ;  ni  mo  is  iad  bhur  sUghean-sa  mo 
shUghean-sa  deir  an  Tighearna." 

Tha  na  h-uile  ni  a  th'ann  a'  teagasg  dhuinn 
am  meas  bu  choir  a  bhi  againn  air  an  t-soisgeul. 
Chan  'eil  ni  an  coimeas  ris.  Agus  chan  'eil  ni 
as  cinntiche  na  "  esan  a  dh'iobras  moladh  bheir 
e  gloir  dhomh  sa,  agus  dhasan  a  dh'orduicheas 
a  shhffhe  nochdaidh  mi  slainte  Dhe."      E.  G. 


Cho  luachmhor  ris  an  Or 


CI  HAN  'EIL  •aon  a  lathaiv  an  diugh  de  na 
^seann  chraicinn  air  an  robh  an  Tiomnadh 
Nuadh  air  a  sgriobhadh  an  toiseach.  Laigh 
an  aois  ox'ra  is  chaidh  iad  'n  an  stiallan, 
air  neo  thainig  driod-fhortan  air  choreigin 
eile  'nan  caraibh.  Tha  so  a'  ciallachadh 
nach  'eil  aon  chrioman  de'n  Tiomnadh  Nuadh 
againn  mar  dh'  fhag  e  lamh  nan  abstol  agus 
nan  daoine  eile  a  sgriobh  e,  ged  bu  mhaith 
leinn  lamh-sgriobhaidh  Phoil  f  haicinn.  Ach  bha 
daoine  diadhaidh  anns  an  eaglais  a  bha  cur 
seachad  am  beatha  a'  deanamh  leth-bhreac  de 
na  sgriobtuirean  los  eolas  an  t-soisgeil  a  chraobh- 
sgaoileadh,  agus  is  e  sin  an  doigh  anns  an 
tainig  an  Tiomnadh  Nuadh  thugain. 

Tha  cho  mhaith  ri  da  mhile  de  na  seann  leabh- 
raichean-craicinn  sin  a  lathair  fhathast,  ged 
nach  'eil  cuid  dhiubh  idir  cho  luachmhor  ri  each. 
Faodar  a  radh  gur  ann  mar  is  sine  iad  is 
luachmhoire  iad  ;  tha  an  craicionn  a  tha  dol  air 
ais  gus  a'  choigeamh  linn  moran  na's  fhearr 
na'm  fear  nach  robh  air  a  sgriobhadh  gus  an 
deicheamh  linn.  Tha  seann  chraicionn  de'n 
t-seorsa  so  a'  tionndadh  suas  an  drasd  'sa  ris  ; 
air  am  faotainn  am  measg  seann  treathlaich 
ann  an  ciiil  air  chor-eigin,  no  fo'n  talamh. 

An  uair  a  bha  am  Biobull  air  a  thionn- 
dadh  gu  Beurla  agus  gu  Gaidhlig  an  toiseach 
rinn  sgoilearan  an  t  -  eadar  -  theangachadh 
sin  bho  na  craicinn  a  bha  aca  aig  an  am, 
ach  bhuaith  sin  fhuaradh  feadhainn  iir,  agus 
feadhainn  as  sine  na  bha  aig  sgoilearan  an  la 
ud,  agus  is  e  so  an  t-aobhar  (co  dhiu  ann  an 
cuid)  gu'm  b'  fheudar  am  Biobull  a  bhi  air 
eadar-theangachadh  as  iir. 

Tha  tri  craicinn  shonraichte  ann  a  tha  air 
am  meas  le  sgoilearan  os  cionn  chaich  uile, 
ach  cha  robh  gin  dhiubh  sin  aig  na  daoine  a 
dh'  eadar-theangaich  am  Biobull  ann  an  linn 
Righ  Seumas.  Faodaidh  sinn  A,  B,  C,  a  radh 
ris  na  craicinn-sgriobhaidh  sin  agus  cunntas 
goirid  a  thoirt  orra. 

A. — Tha  am  fear  so  gu  fortanach  air  a 
ghleidheadh  anns  an  t-seud-lann  Bhreatunnach 
ann  an  Lunnainn,  an  aon  chraicionn-sgriobhaidh 
ainmeil  a  bhuineas  do'n  rioghachd  so,  no  do'n 
eaglais  Phrostanaich.    Bha  e  air  a  thabhairt  do 


Righ  Tearlach  a  h-Aon  le  Coireal  Linear, 
diadhair  is  ard  phearsa-eaglais  ann  an  Baile- 
Chonstantin  anns  an  Tuirc,  anns  a'  bhliadhna 
1628.  Mar  so  rainig  e  Sasunn  seachd  bliadhna 
deug  an  deidh  do  na  sgriobtuirean  a  bhi  air 
an  eadar-theangachadh  le  sgoilearan  Righ 
Seumas  ;  ro  anmoch  air  son  gu'n  deantadh  feum 
dheth.  Chan  'eil  e  uile  gu  leir  slan  e  fhein. 
Tha  seachd  duilleagan  a  dhith  an  t-seann 
Tiomnaidh,  coig  air  fhichead  a  dhith  toiseach 
soisgeul  Mhata,  da  dhuilleag  a  dhith  soisgeul 
Eoin,  agus  tri  a  dhith  litrichean  Phoil  gu 
eaglais  Chorint.  Bha  e  air  a  sgriobhadh  anns 
a'  choigeamh  linn. 

Tha  e  'na  rud  anabarrach  duilich  aois 
nan  seann  sgriobhaidhean  so  a  dheanamh  a 
mach  ;  feumar  beachd  a  ghabhail  air  cumadh 
nan  litrichean  is  fichead  rud  eile  air  nach 
urrainnear  beachd  cuimseach  no  cothromach 
fhaotainn  ach  bho  sgoilearan  a  tha  ag  oibrea- 
chadh 'n  am  measg  fad  am  beatha.  Tha  an 
sgriobhadh  a  tha  air  na  craicinn  as  sine  air 
a  chur  sios  ann  an  litrichean  mora,  gun  stad  o 
thoiseach  gu  deireadh,  air  chor  agus  gu'm  feum 
sgoilearan  beachdachadh  air  gu  curamach,  m'an 
dealaich  iad  e  'na  fhacail  agus  'na  rannan  agus 
'na  chaibidealan.  Tha  e  mar  gu'm  biodh 
soisgeul  Eoin  a'  toiseachadh  mar  so, 

ANNSANTOISEACHBH  AAMFACALAGU  S  B 
H  A  AMF  AC  ALM  AILLERIDI A  AGUSBE  A  M  F 
ACALDIABHAESOAIRTUSMAILLERIDIAR 
INNEADHNAHUI LENITHEANLEISAGUS  A 
SEUGMHAISCHADRINNEADHAONNIARIN 
NEADH 

B.  Tha  an  craiceann-sgriobhaidh  so  air  a 
ghleidheadh  ann  an  leabhar-lann  a'  Phapa  anns 
an  Roimh.  Theagamh  gur  e  aon  as  sine  a 
tha  lathair  an  diugh,  agus  tha  ciiram  mor  air  a 
ghabhail  dheth.  An  uair  a  chaidh  an  t-Ollamh 
Tregelles  'ga  fhaicinn — sgoilear  ainmeil — cha 
ruigeadh  iad  leis  f hosgladh,  no  lamh  a  chur  air, 
gus  an  do  shiubhail  iad  a  phocannan  an  toiseach 
agus  an  tug  iad  bhuaithe  peann  is  sgian 
is  paipear.  Ach  gheibhear  thuige  na's  fhasa 
anns  na  laithean  so,  agus  bha  e  air  uisnea- 
chadh  leis   na  sp'oilearan   a    rinn    an   t-eadar- 


8 


CHO  LUACHMHOR  RIS  AN  OR— TIOMNA  CHOLUMCILLE 


theangachadh  mu  dheireadh  air  a'  Bhiobull. 
Faodar  leth-bhreac  dheth  fhaotainn  ann  an 
iomadh  oil-thigh  is  leabhar-lann  air  feadh  na 
diithcha,  oir  chaidh  a  dhealbh  a  tharruing.  Le 
ealadhain  nan  dealbhaidearan  tha  sin  furasda  gu 
leor  a  dheananih,  mac-samhuil  do  leabhar  sam 
bith  fhaotainn.  Tha  niu  sheachd  ceud  duilleag 
anns  an  leabhar  so,  ach  chan  'eil  e  ionilan 
na's  mo  na  each.  Tha  toiseach  Ghenesis  air 
ehall ;  euid  de  na  sailm ;  agus  is  e  litir  nan 
Eabhruidheach  a  ehuid  niu  dheireadh  den 
Tioninadh  Nuadh  a  tha  ann.  Bha  e  air  a 
sgriobhadh  anns  a'  cheathramh  linn. 

C.  Fhuaradh  an  leth-bhreac  so  de'n  Bhiobull 
ann  an  tigh-mhanach  air  beinn  Shinai  anns  a' 
bhliadhna  1859-  Bha  e  air  fhaotainn  leis  an 
Ollamh  Tischendorf,  sgoilear  ainmeil  Gear- 
mailteach,  a  chuir  seachad  a  bheatha  a'  nieomh- 
rachadh  nan  sgriobtuirean  agus  a'  siubhal 
sheann  sgriobhaidhean  anns  gach  cearn  anns 
an  robh  aniharus  aige  am  bitheadh  iad.  Uair 
a  chaidh  e  do  mhainistear  Shinai  chunnaic 
e  ann  an  cuil  bascaid  mhor  a  bha  Ian  de 
sheann  phaipearan  is  craicinn,  agus  sgriobh- 
adh orra.  An  uair  a  bhruidhinn  e  ri  fear 
de  na  manaich  umpa  thuirt  esan  gu  robh 
moran  barrachd  air  na  bha  anns  a'  bhascaid 
aca,  ach  gu'n  do  loisg  iad  an  corr  dhiubh  a 
thoirt  beo  an  teine.  Sheall  Tischendorf  air  na 
duilleagan  agus  sguinn  dhuilleagan  a  bha  anns 
a'  bhascaid,  agus  thug  niuinntir  an  tighe  dha 
cead  mu  dha  fhichead  duilleag  a  thoirt  leis,  oir 
bha  iad  ri  bhi  air  an  losgadh  co-dhiu.  Ach 
chunnaic  iad  au  robh  an  duine  cho  measail  air 


an  ulaidh  a  fhuair  e  's  gu'n  do  ghabh  iad 
aniharus  gu  robh  na  sgriobhaidhean  luachmhor, 
agus  mar  sin  cha  tugadh  iad  dha  an  corr. 

Air  dha  tighinn  air  ais  leig  e  f  haicinn  na  duil- 
leagan priseil  do  sgoilearan  eile,  agus  chunnaic 
iadsan  anns  a'  mhionaid  gun  d'  amais  e  air 
send  luachmhor.  Ach  cha  d'  innis  e  c'aite  an 
d'  fhuair  e  iad,  oir  bha  dochas  aige  gu  faigheadh 
e  an  corr  an  ath-bhliadhna,  agus  bha  eagal  air 
gu'n  gearradh  daoine  eile  roimhe  na'n  innseadh 
e  c'aite  an  d'  fhuair  e  na  craicinn.  Bha  caraid 
's  a'  chiiirt  aige  anns  an  Eiphit,  ach  a  dh' 
aindeoin  na  rinn  an  duine  sin  air  a  shon,  cha 
dealaicheadh  na  manaich  ris  na  paipearan, 
agus  cha  'n  e  mhain  nach  tugadh  iad  seachad 
iad,  ach  a  nis  chuir  iad  iad  fo  ghlais  air  chor 
agus  nach  faicteadh  iad.  Ach  bha  an  Gear- 
mailteach  diorrasach,  agus  mu  dheireadh  fhuair 
e  na  bha  a  dhith  air,  ged  b'  fheudar  dha 
leantail  air  fad  choig  bliadhna  deug,  a'  cur 
beul-boidheach  air  na  manaich.  Chuidich 
lompaire  Russia  leis — ceann  na  h-eaglais 
Ghreugaich — agus  tha  an  leabhar  luachmhor  so 
a  nis  air  a  ghleidheadh  ann  an  leabhar-lann 
am  Baile-Pheadair  an  Russia. 

Sin,  ma  ta,  na  tri  fianuisean  as  fhearr  a  tha 
againn  an  diugh  air  litir  an  Tiomnaidh  Nuaidh, 
agus  is  ann  orra  a  tha  sgoilearachd  an  latha  so 
air  a  steidheachadh.  Facal  air  bith  nach 
fhaighear  ann  an  gin  de'n  tri  so,  faodar  amharus 
a  ghabhail  air  nach  robh  e  anns  a'  Bhiobull  an 
toiseach,  ciamar  air  bith  a  fhuair  e  ann.  Mar 
sin  faodar  a  radh  gu  bheil  na  tri  craicinn- 
sffriobhaidh  so  cho  luachmhor  ris  an  or. 


Tiomna  Cholumcille 


COMHNAIGH,  a  Chriosd  im'  chroidhe, 
A  Choimhde,  a  Mhic  Mhuire, 
Gach  Sathairn  tair,  a  bhrathair, 
Agus  aitigh  am'  Chroidhe, 

Na  dean  siubhal  na  saoire 

Do  nos  na  ndaoine  oile, 

A  Mhic  De  [fan]  Dia  Domlmaigh, 

Agus  comhnaigh  am'  Chroidhe. 

Dia  Luain  anns  an  ait  cheadna 
A  Realta  eoil  ar  n-anman, 
Comhnaigh  a  Chriosd,  im'  chridhe, 
A  Ri  nimhe  is  talmhan. 

Gach  Mart  go  la  m'eaga 
Tearc  dar  deanta  a  ndearnadh — 
Lion  mo  chroidhe  dod  R6-thoil 
A  Oighre  an  Athar  neamhdha. 

Dia  Ceadaoin',  a  Dhe  naomhtha, 
— deis  ar  saortha  aroile 


Go  'n  iocaih  Criosd  an  cogadh — 
Tair  'Do  chodladh  am'  chroidhe. 

Diardaoin,  a  liir-Mhic  Mhuire, 
Tair  im'  chroidhe  led  ghrasaibh  ; 
Saor  me,  a  Liaigh  na  cruinne, 
A  Dhearbhrathair  clainne  Adhaimh. 

Tair  im'  chroidhe  Dia  h-Aoine 
A  Naomh-Chara,  a  Mhic  Mhuire, 
A  Liaigh  leighis  gach  anma, 
A  lamh  cabhrtha  na  cruinne. 

Tair  im'  chosaibh  's  im'  lamhaibh, 
Eist,  a  bhrathair,  mo  ghuidhe  ; 
Tair  im'  bheal  is  im'  shiiilibh, 
Tair,  a  Dhuilimh  im'  chroidhe. 

Tair  im'  cheann  is  im'  chluasaibh, 
A  Ri  uasail  an  domhnaigh  ; 
Deis  ar  saortha  aroile 
Tair  im'  chroidhe  agus  comhnaich. 

A  Danta  De. 


Air  lo 


93 


Mu  Urnuigh 


"  A  Thighearna,  teagaisg  dhuinne  ur 

rilHA  an  athchuinge  so  freagarrach  dhuinn 
-L  uile,  oir  ma  bhios  sinn  a'  cur  seachad  ar 
beatha  gun  urnuigh  thig  an  searg  annainn  gu 
spioradail,  agus  chan  fhas  sinn  ann  an  gras  no 
ann  an  eolas  an  Tighearna.  Air  chiil  gach 
aobhar  eile  a  tha  toirt  marbhantachd  spioradail 
air  sluagh  an  Tighearna  tha  an  t-aobhar  so, 
nach  'eil  iad  a'  buanachadh  ann  an  iirnuigh. 
Cha  dean  ar  ereideamh  nithean  mora  mur  bheil 
e  beo  is  laidir,  ach  cha  chumar  ereideamh  beo 
is  laidir  gun  urnuigh.  ' 

Chan  'eil  cleachdadh  eile  a  bhuineas  do'n 
diadhaidheachd  a  tha  cho  furasd  a  chall  ri 
cleachdadh  na  h-iirnuigh,  agus  cha  mho  a  tha 
cleachdadh  eile  ann,  an  uair  a  chaillear  e,  as 
luaithe  a  thiormaicheas  tobar  na  beatha  an 
taobh  a  stigh  dhinn.  Theagamh  nach  traoigh 
an  tobar  uile  gu  leir,  ach  mur  traoigh,  cha  bhi 
ann  aig  f heabhas  ach  dileag  fhaoin.  Ged  a  dh' 
fhaodas  e  bhi  f ior  a  thaobh  corra  dhuine  gu 
bheil  aile  beag  de'n  diadhaidheachd  a'  mairsinn 
beo  annta,  bliadhnachan  an  deidh  dhaibh 
urnuigh  a  thoirt  thairis,  tha  e  fior  mar  an 
ceudna  gur  e  iirnuigh  anail  beatha  na  diadh- 
aidheachd, agus  nach  bi  cinneas  oirnn  no  soirbh- 
eachadh  againn  anns  a'  bheatha  spioradail  as  a 
h-eugmhais. 

An  uair  a  dh'  iarr  Pol  air  muinntir  Ephesuis 
uile  armachd  Dhe  a  chur  umpa  dh'ainmich  e 
iirnuigh  am  measg  na  h-armachd  sin,  "  leis  gach 
uile  ghne  iirnuigh  agus  aslachaidh,  ag  urnuigh 
aig  gach  am  anns  an  Spiorad." 

Cha  ruigear  a  leas  a  dhearbhadh  gu  bheil 
dleasdanas  na  h-iirnuigh  air  a  dheargadh  air 
cridhe  mhic  an  duine  gu  nadurra.  Ma's  iad  na 
cinnich  fein,  tha  iad  ag  iirnuigh  ri  cumhachd  air 
chor-eigin  a  tha  os  an  cionn.  Ged  nach  'eil 
eolas  aca  air  ar  n-Athair  neamhaidh,  tha  iad  a' 
togail  an  cridhe  ri  diathan  eile  an  am  am  feuma. 
Cha  d'  fhuaras  seorsa  dhaoine  fathast  anns  an 
t-saoghal  aig  nach  'eil  an  cleachdadh  ;  ach  chan 
'eil  sinne  air  ar  fagail  an  taice  ri  solus  naduir. 
Anns  a'  Bhiobull  tha  aithne  againn  air  aithne, 
agus  teagasg  air  theagasg  mu  urnuigh.  Agus 
rud  as  fhearr  air  fad,  tha  eiseimpleir  Chriosd 
againn. 

Ach  ged  bha  iirnuighean  Chriosd  'n  am 
meadhon  air  spiorad  na  h-iirnuigh  a  dhiisgadh 
ann  an  daoine  eile,  cha  bhiodh  e  ceart  dhuinn  a 
radh  gu'm  b'ann  a  chum  eiseimpleir  a  thoirt  d'a 
bhraithrean  a  lean  e  air  iirnuigh.  Lean  e  air 
iirnuigh  a  chionn  gu  robh  feum  aig  anam  fein 
air.    Agus  ma  bha  feum  aige-san,  agus  e  an  ni 


nuigh  a  dheanamh.'^ — Lucas  xi.  1. 

a  bha  e,  air  urnuigh,  nach  motha  gu  mor  a  tha 
feum  againn,  agus  sinn  an  ni  a  tha  sinn  ! 

Rinn  Criosd  athchuingean  as  a  leth  fein,  rinn 
e  eadar-ghuidhe  as  leth  dhaoine  eile,  agus  rinn 
e  iirnuigh  air  son  obair  Dhe  anns  an  t-saoghal. 
Ann  an  garradh  Ghetsemane  bha  anam  fo 
eigin  is  ghuidh  e  ri  Dia,  "Athair  ma's  toil  leat, 
cuir  an  cupan  so  seachad  orm  "  ;  an  deidh  na 
suipeir  ghuidh  e  air  son  nan  deisciobul,  agus  air 
son  na  h-eaglais  uile,  "  Athair  coimhead  iadsan 
a  thug  thu  dhomh  "  ;  air  a'  chrann-cheusaidh 
ghuidh  e  as  leth  a  naimhdean,  "  Athair  thoir 
maitheanas  dhaibh,  oir  chan  'eil  fhios  aca  ciod 
a  tha  iad  a'  deanamh  "  ;  agus  uair  eile  ghuidh  e 
air  son  aofi  charaid  air  ainm,  "  Ghuidh  mise  air 
do  shon-sa,  nach  failnicheadh  do  chreideamh." 

Anns  na  soisgeulan  tha  sinn  a'  faicinn  gu'n 
do  shaothraich  e  gun  sgur  ann  an  seirbhis  a 
bhraithrean  ;  gu  robh  gach  latha  d'a  bheatha 
air  a  lionadh  le  obair  creidimh  agus  saothair 
graidh,  o  mhoch  gu  dubh  ;  ach  tha  na  ceart 
shoisgeulan  ag  innseadh  dhuinn  cuideachd  gu'm 
biodh  e  a'  fagail  nan  deisciobul  an  drasd  's  a 
ris,  agus  a'  do!  leis  fein  do  aite  uaigneach  a  dh' 
iirnuigh.  Cha  robh  ceum  da  bheatha  nach  d' 
ullaich  e  a  chridhe  air  a  shon  roimh  laimh  le 
iirnuigh.  Coltach  ris  na  naoimh  eile  dhearbh  e 
'n  a  fhiosrachadh  fein  gu  robh  faochadh  agus 
neart  r'am  faotainn  le  bhi  feitheamh  air  Dia 
ann  an  iirnuigh. 

Is  e  an  aon  doigh  air  urnuigh  ionnsachadh, 
iirnuigh  a  dheanamh  ;  iiine  a  ghabhail  a  h-uile 
latha  ffus  ar  fflim  a  liibadh  an  lathair  Dhe. 
Ach  tha  moran  de  shluagh  an  Tighearna  cho 
driopail  ann  an  obair  an  t-saoghail  's  nach  toir 
iad  an  cothrom  so  dhaibh  fein.  Anns  a'  mha- 
duinn  tha  iad  cho  cabhagach,  agus  anns  an 
fheasgar  tha  iad  cho  sgith,  's  nach  urrainn 
dhaibh  an  cridhe  a  shocruchadh  beagan  mhion- 
aidean  air  Dia  ;  gus  mu  dheireadh  an  dean 
iad  dearmad  air  cho  fada  agus  nach  'eil  iarraidh 
no  cail  aig  an  anam  air.  Ach  ciamar  is  urrainn 
dhuinn  diiil  a  bhi  againn  ri  beannachd  an 
Tighearna  'n  ar  n-obair  agus  'n  ar  beatha  mur 
bheil  sinn  ag  iarraidh  a  bheannachd  ?  Is  ann 
dhaibhsan  a  dh'  aidicheas  Dia  'n  an  uile 
shlighean  a  tha  an  gealladh,  "  gu'n  dean  esan 
direach  an  ceumannan." 

Dh'  iarramaid,  ma  ta,  oirbh  le  durachd  ar 
cridhe  gun  la  a'  leigeil  seachad  gun  'ur  gliin  a 
liibadh  ann  an  lathair  an  Tighearna,  agus  a 
bheannachd  iarraidh.  An  uair  a  ni  duine  so 
anns  a'  mhaduinn  gu  diirachdach,  agus  a  dh' 


2 


MU  URNUIGH— AN  NAOMH  AUGUSTINE 


earbas  e  e  fein  ri  Dia,  ag  iarraidh  a  stiuraidh- 
san,  faodaidh  e  bhi  cinnteach  gu'm  bi  Dia  cho 
mhaith  ri  ghealladh,  agus  nach  fag  e  e  gun 
solus. 

Their  daoine  nach  'eil  iad  air  uairean  anns  an 
spiorad  cheart  air  son  iirnuigh,  agus  mur  bheil 
iad  air  ghleus  air  son  an  dleasdanais,  nach 
biodh  feuni  sam  bith  ann  dhaibh  del  air  a 
cheann.  Ann  an  aon  seadh  tha  e  fior  nach  'eil 
ar  n-iirnuighean  ceart  mur  bheil  iad  air  an 
tairgsinn  anns  an  spiorad  cheart,  ach  ann  an 
seadh  eile,  tha  e  fior  nach  coir  dhuinn  dearmad 
a  dheanamh  air  tirnuigh  aig  an  am  abhaisteach, 
ciod  air  bith  an  gleus  a  tha  oirnn.  Tha  dleasd- 
anasan  eile  againn  uile  ri  dheanamh  gach  latha 
d'  ar  beatha,  co  dhiu  a  tha  sinn  ann  am  fonn 
maith  air  an  son  no  nach  'eil.  Tha  f  hios  againn 
gu'm  feum  iad  a  bhi  deanta  agus  nach  gabh  iad 
seachnadh,  agus  nach  ruigear  a  leas  bruidhinn 
air  dail  a  chur  annta.  Agus  is  e  a  tha  tighinn 
as  a  sin,  nach  cuir  sinn  dail  annta. 

Rud  cunnartach,  dail  a  chur  ann  an  dleasd- 
anas  air  bith  ma  thachras  gu  bheil  sinn  ann  an 
droch  fhonn  air  a  shon.  Ma  ni  thu  dearmad 
air  urnuigh  an  diugh  a  chionn  gu  bheil  thu  a' 
faireachduinn  car  tioram  is  fuar  ann  ad  spiorad, 
faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  nach  e  an  la 
raaireach  as  fhearr,  agus  gu'm  bi  thu  na's 
tiorma  agus  na's  fuaire.  Mur  bheil  thu  air 
ghleus  ceart  an  uair  a  thig  am  suidhichte  na 
h-tirnuigh,  na  leig  seachad  e  ach  dean  an 
tirnuigh,  oir  is  e  sin  an  doigh  as  fhearr  air  do 
chail  spioradail  a  thoirt  air  ais.  Cuiridh  eadhon 
liibadh  na  gliiine  ann  an  lathair  an  Tighearna 
soluimteachd  air  do  smuaintean. 

Feumaidh  sinn  uile  aideachadh  gu  bheil  sinn 
trie  gu  leoir  tioram  annainn  fein,  cho  tioram  ri 
seana  chabar,  ach  is  e  an  doigh  as  miosa  air  an 
tiormachd  sin  a  leasachadh,  dearmad  a  dhean- 


amh air  tirnuigh.  Mur  bheil  thu  anns  an 
spiorad  air  a  son,  na  cuireadh  sin  bacadh  ort  ; 
innis  do'n  Tighearna  do  chor,  agus  abair  ris, 
"  Cuidich  thusa  mo  mhi-chreideamh." 

"  Ma  dh'  fhanas  sibh  annam-sa,  iarraibh  ciod 
air  bith  as  aill  leibh  agus  nithear  dhuibh  e." 
Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  gheibhear  nforan 
fhacal  de'n  t-seorsa  so  ;  geallaidhean  an  cois 
iirnuigh  do  nach  'eil  a'  mhor-chuideachd  a' 
toirt  aire  no  suim.  Tha  e  gle  shoilleir  gu 
robh  Chriosd  a'  sealltainn  ri  toradh  o  tirnuighean 
na  h-eaglais  nach  fhacas  fhathast  ;  gu'm  b'e 
tirnuigh,  a  reir  a  theagaisg-san,  a'  chumhachd 
mhor  lets  an  cuireadh  an  eafflais  rioffhachd 
Dhe  air  chois  anns  an  t-saoghal.  Agus  nach 
faodar  a  radh  gur  e  an  dearmad  a  tha  an  eaglais 
a'  deanamh  air  tirnuigh  an  t-aobhar  gu  bheil 
cumhachd  na  h-eaglais  cho  beag  ri  aghaidh 
cumhachdan  an  dorchadais. 

Gu'n  deonuicheadh  Dia  dhuinn  uile  ungadh 
an  Spioraid  Naoimh,  a  chum  agus  gu'm  bi  sinn 
air  ar  n-uidheamachadh  gu  eadar-ghuidhe  a 
dheanamh,  oir  is  ann  tre  eadar-ghuidhe  nan 
creidmheach  a  thig  rioghachd  Dhe  air  thalamh. 
Tha  an  Spiorad  Naomh  air  a  ghealltainn  chum 
comhnadh  a  dheanamh  leinn,  agus  an  uair  a  ni 
esan  eadar-ghuidhe  maille  ruinn  agus  annainn 
bidh  ar  n-urnuighean  "  ann  an  ainn  Chriosd." 
Is  e  sin  ri  radh,  bithidh  iad  a  reir  inntinn-san 
agus  iarraidh  sinn  na  nithean  a  dh'  iarr  esan. 

A  Thighearna,  teagaisg  dhuinn  iirnuigh  a 
dkeaitamh  ;  tirnuigh  air  ar  son  fein,  air  son  ar 
teaghlaichean  's  ar  cloinne  ;  tirnuigh  air  son  ar 
dtithcha ;  air  son  dhaoine  aig  a  bheil  cridheachan 
goirt  agus  dachaidhean  fas  falamh  ;  tirnuigh  air 
son  teachd  do  rioghachd  agus  sith  an  t-saoghail ; 
tirnuigh  gu'm  biodh  do  thoil  air  a  deanamh 
agus  t'ainm  air  a  ghlorachadh  air  thalamh  mar 
air  neamh. 


An  Naomh  Augustine 


THA  coig  ceud  deug  bliadhna  o  chaochail  an 
duine  ainmeil  so,  ach  ged  tha  e  marbh  tha 
e  fhathast  a'  labhairt.  Am  bliadhna  tha 
eaglaisean  air  feadh  an  t-saoghail  uile  a'  cumail 
cuimhne  air  Augustine,  agus  tha  eaglais  na 
h-Alba  a'  deanamh  sin  am  measg  chaich.  Bu 
mhaith  leinn,  ma  ta,  cunntas  goirid  a  thoirt  do 
ar  luchd-leughaidh  air  beatha  agus  obair  an 
diadhair  so. 

Rugadh  e  an  ceann  a  Tuath  na  h-Afric  anns 
a'  bhliadhna  354  ;  ann  am  baile  beag  a  bha  cho 
bochd  ri  Nasaret  f  hein.  Ann  an  leabhraichean- 
eachdraidh  gheibhear  ainm  is  sloinneadh  athar, 
ach  is  beag  suim  a  tha  aig  an  t  -  saoghal 
do  athair  Augustine  an  diugh.  Cha  b'e  mac 
athar  a  bha  ann,  ach  mac  a  mhathar  ;  agus  b'e 
tirnuighean  a  mhathar  a  bha  'n  am  meadhon  air 
iompachadh  an  uair  a  bha  e  tri  bliadhna  deug 


air  fhichead.  Theab  e  a  cridhe  a  bhriseadh  le 
olcas  a  chaitheamh-beatha  ann  an  laithean  oige, 
le  61  is  ruidhtearachd  is  ain-diadhaidheachd. 
Ach  eadhon  anns  na  laithean  sin  bha  high  aige 
ann  an  nithean  spioradail,  is  bhiodh  e  a'  deasbud 
umpa  ri  chompanaich.  Ach  bha  fhuil  teth  is 
inntinn  luasganach  is  a  thoil  seachranach,  agus 
thuit  e  ann  an  clabar  tiugh  a'  pheacaidh,  a  dh' 
aindeoin  tirnuighean  a  mhathar. 

Cha  b'e  olcas  a'  chaitheamh-beatha  a  chuir 
am  bron  a  bu  mhotha  air  a  mhathair,  ach  an 
taobh  a  bha  aige  ri  seorsa  dhaoine  ris  an  abradh 
iad  na  Manichaeans,  buidheann  a  bha  cur  an 
aghaidh  teagasg  na  h-eaglais  Choitchinn,  agus 
a'  seasamh  air  puingean  neonach  dhaibh  fein. 
Air  dhoigh  air  chor-eigin  chaidh  Augustine  am 
measg  nan  daoine  so,  is  dh'fhan  e  'n  am  measg 
naoi  bliadhna,  agus  b'e  athchuinge  a  mhathar 


AN  NAOMH  AUGUSTINE 


3 


/daonnan  gu'm  biodh  a  shuilean  air  am  fosgladh 
agus  gu'm  biodh  e  air  a  shaoradh  o  bheachdan 
miearachdach  nam  Manichaeans.  Theagamh  gu 
robh  e'n  a  bhron  dhi  a  bhi  cluinntinn  mu  ruidh- 
tearachd  a  mic  am  measg  mhac  stroghail  eile 
ann  an  Carthage  agus  anns  an  Roimh,  ach  an 
uair  a  rachadh  i  air  a  gluinean  a  ghuidhe  ri  Dia 
as  a  leth,  cha  b'ann  air  sin  a  bha  a  h-aire  no  a 
h-athchuinge,  ach  gu'n  saoradh  Dia  e  o  theagasg 
nam  Manichaeans  agus  gu'n  treoraicheadh  e  e 
a  steach  do'n  eaglais  Naomh  Choitchionn. 

Rinn  Dia  sin  'n  a  am  fein,  is  bha  siubhal 
mathair  Augustine  an  sith  agus  an  sonas,  oir 
bha  e  air  iompachadh  agus  air  a  bhaisteadh 
beagan  bhhadhnachan  m'an  do  chaochail  i. 
Bha  e  fhein  agus  mac  diolain  dha  air  am  bai- 
steadh  comhla  leis  an  Easbuig  Ambrose,  ann 
am  baile-mor  Mhilan. 

Bha  inntinn  chomasach  aig  Augustine  gu 
nadurra,  agus  coltach  ris  an  fhear  a  sgriobh 
leabhar  Ecclesiastes  thug  e  a  chridhe  a  shireadh 
ghocais  agus  a  rannsachadh  mu  thimchioU  gach 
ni  a  nithear  fo  neamh  ;  a  rannsachadh  mu  Dhia 
agus  mu  riiintean  Dhe,  agus  mu  nadur  agus  mu 
chrioch  araidh  mhic  an  duine.  Cha  robh  sgoil 
no  CoUaiste  nach  d'  fheuch  e  ;  cha  robh  feall- 
sanach  no  duine  eagnaidh  no  buidheann  shaobh- 
chreideach  nach  do  cheasnaich  e,  ag  iarraidh 
soluis  agus  ag  iarraidh  fois  d'a  chridhe  agus  d'a 
inntinn.  Thubhairt  e  ri  chridhe,  Thig  a  nis, 
dearbhaidh  mi  thu  le  subhachas  agus  toihchidh 
mi  m'  f  heoil  le  f  ion,  ach  feuch,  cha  robh  ann  an 
toihnntinn  na  feola  dha  ach  diomhanas  is 
cuthach.  Shaoil  e  gu'm  faigheadh  e  am  measg 
nam  Maiiichaeans  an  iocshlaint  agus  an  fhois  a 
bha  a  chridhe  a'  sireadh,  ach  mar  a  b'fhearr  a 
b'aithne  dha  na  daoine  sin,  agus  a  b'  fhearr  a 
thuig  e  an  teagasg,  is  ann  a  bu  mho  a  dh'  fhua- 
thaich  e  an  doighean,  agus  a  bu  chinntiche  a 
dh'  fhas  e  nach  robh  anns  an  teagasg  aca  ach 
diomhanas  agus  ruagadh  na  gaoithe.  Agus  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  thainig  e  air  ais  a  dh' 
ionnsuidh  a'  Bhiobuill,  oir  chunnaic  e  nach  robh 
dad  aig  feallsanaich  is  sgoilearan  ri  radh  mu 
Dhia  no  mu  mhac  an  duine  nach  robh  cheana 
air  a  chur  sios  gu  soilleir  anns  a'  Bhiobull. 

An  uair  a  bha  e  fo  chiiram  anma  chaidh  e  aon 
la  air  a  ghliiinean,  ag  urnuigh  ri  Dia  ;  am 
meadhon  na  h-iirnuigh  chual  e  mar  gu'm  biodh 
guth  paisde,  ag  radh.  Tog  agus  leugh  ;  tog  agus 
leugh.  Thainig  e  a  steach  air  inntinn  gur  e 
facal  o  Dhia  a  bha  ann,  ag  iarraidh  air  am 
Biobull  a  thogail  agus  a'  cheud  rann  a  dh'  aim- 
seadh  air  a  leughadh.  Rinn  e  sin,  agus  b'e  a' 
cheud  fhacal  air  an  do  shocruich  a  shiiil  an  rann 
so  ann  an  litir  Phoil  a  chum  nan  Romanach, 
Gluaiseamaid  gu  cuhhaidh,  mar  anns  an  la  ;  chan 
ann  an  ruidhteireachd  agus  am  misg,  no  an  sebm- 
radaireachd  agus  am  macnus,  ro  an  cbmhstri  agus 
am  farmad.  Ach  cuiribh  umaibh  an  Tighearna 
losa  Criosd,  agus  na  deanaibh  ullachadh  air  son  na 


febla,  a  chum  a  h-ana-miannan  a  choimhlionadh. 
"  Cha  do  leugh  mi,  ars'  esan,  an  corr  ;  cha  robh 
feum  air  ;  oir  ann  am  prioba  na  siila  dh'  fhalbh 
na  teagmhaidhean  agus  an  dorchadas  a  bha  ag 
iathadh  umam  is  las  mo  chridhe  le  solas." 

Tha  facal  Dh^  be5  agus  ^ifeachdacli, 
agus  n'as  g^ire  na  claidheamh  dk  fhaobhair ; 
a'  dol  a  steacli  gu  ruig  eadar-sgaradh  an 
anama  agus  an  spioraid,  agus  a'  toirt 
breith  air  ruintean  agus  smuaintean  a 
chridhe. 

Ceithir  bliadhna  an  deidh  dha  bhi  air  a  bhaist- 
eadh bha  e  air  a  choisrigeadh  gu  dreuchd  na 
sagartachd,  is  beagan  bhhadhnachan  na  dheidh 
sin,  bha  e  air  a  dheanamh  'n  a  Easbuig  anns  an 
eaglais,  ach  chan  ann  air  son  a  riaghlaidh,  no 
a  shaothair  mar  Easbuig  a  tha  cuimhne  air 
Augustine  an  diugh,  ach  air  son  nan  leabh- 
raichean  a  sgriobh  e  agus  a'  bhuaidh  a  bha  aig 
a  bheachdan  air  a'  chinne-daonna  uile  gu  leir, 
agus  gu  sonraichte  air  teagasg  na  h-eaglais 
Chriosduidh  fad  mile  gu  leth  bliadhna.  Is 
iomadh  diadhair  maith  a  bha  ann  an  Albainn 
o  linn  Iain  Knox,  ach  ged  bhiodh  iad  air  an  cur 
comhla,  bha  agus  tha  fhathast  barrachd  buaidh 
aiff  Auffustine  thairis  air  beachdan  is  dia- 
dhaidheachd  na  h-Alba  na  tha  aca  sin  uile. 
Duine  a  tha  marbh  coig  ceud  deug  bliadhna, 
ach  a  tha  beo  anns  an  doigh  so,  agus  a'  labhairt 
fhathast,  nach  feum  gu'm  bu  duine  comasach 
agus  gu'm  bu  duine  neo-chumanta  a  bha  ann  ! 

Ma  bu  mhac  spioradail  do  Phol  Augustine 
b'  athair  spioradail  e  do  Chalvin  ;  agus  na'n 
tugadh  tu  air  falbh  bho  na  h-eaglaisean  Cleir- 
achail  na  bhuineas  do  Phol  agus  do  Augustine 
agus  do  Chalvin  'n  an  teagasg,  cha  mhor  a 
bhitheadh  air  fhagail. 

An  ni  a  bha  an  t-OUamh  Mac  Iain  ann  an 
litreachas  Bhreatuinn,  an  ni  sin  bha  Augustine 
anns  an  eaglais,  'n  a  latha  fein  agus  eadhon  gus 
an  diugh  ;  cha  robh  ceist  no  argumaid  air  an 
socruchadh  gus  an  labhradh  e  agus  an  liubhradh 
e  a  bheachd.  Bha  e  mar  righ  am  measg  chaich  ; 
a'  labhairt  le  iighdarras  nach  robh  aig  Papa 
riamh,  agus  a'  cur  stad  air  connsachadh  mar 
gu'm  biodh  Siorram,  agus  sin  uile  a  chionn  gu 
robh  solus  is  cumhachd  is  geiread  breith- 
neachaidh  anns  an  inntinn  aige.  Mar  dhiadhair 
agus  mar  fhear-teagaisg  bha  iompaireachd  aige 
nach  robh  aig  righ  talmhaidh. 

Ach  ged  bu  bhuannachd  sin  do'n  eaglais  cha 
robh  e  maith  dha  fhein.  Tha  da  rud  ann  nach 
'eil  maith  do  dhuine  sam  bith,  air  cho  iriosal  no 
cho  naomh  's  'g  am  bi  e  ;  tuilleadh  's  a  choir  de 
chumhachd  a  bhi  aige,  agus  tuilleadh  's  a  choir 
de  dheasbud  a  dheanamh.  Theagamh  gu  robh 
e  feumail  aig  an  am  agus  buannachdail  do'n 
eaglais,  gu'n  seasadh  Augustine  gu  laidir  an 
aghaidh  nam  beachdan  a  bha  aig  Pelagians,  is 
aig   Manachaeans,   is   aig   Donatists,    agus    aig 


4 


AN  NAOMH  AUGUSTINE— ANNS  A'  CHATHAIR 


feadhainn  eile  ris  an  abradh  e  saobh-chreidick 
aig  nach  I'obh  teagasg  fallan,  ach  chan  'eil  an 
connsachadh  maith  ann  an  rud  air  bith,  agus 
gu  sonraichte  chan  'eil  e  maith  ann  an  cuisean 
spioradail.  Chan  oibrich  connsachadh  firean- 
tachd  Dhe  ;  an  uair  a  thig  deasbud  a  steach  air 
an  dorus  theid  spiorad  na  diadhaidheachd,  mar 
chaluman  a  ghabh  eagal,  a  mach  air  an  uinneig. 
An  uair  a  dheanadh  Augustine  argumaid  ri 
naimhdean  a'  chreidimh,  no  ri  daoine  a  bha  e  an 
diiil  a  bha  'n  an  naimhdean,  bha  e  furasda  dha 
a'  ghlas-ghuib  a  chur  orra  agus  an  cur  gu  naire, 
ach  air  a  shon  sin  dh'  fhas  a  theanga  fein  car 
raspach  agus  a  chridhe  fein  cruaidh  leis  an  obair 
sin.  Fad  iomadh  hnn  bha  ainm  is  tighdarras 
Augustine  air  an  tagar  le  daoine  a  bha  air  son 
iad  fein  fhireanachadh  ann  a  bhi  deanamh 
lamhachas-laidir  air  daoine  eile  nach  robh  de'n 
aon  chreideamh  riii. 

Gheibhear  cridhe  is  cnamhan  a  theagaisg 
anns  na  freagairtean  sin  ann  an  Leabhar  Aith- 
ghearr  nan  Ceist  a  tha  ag  radh  gu'n  do  thuit 
ar  ceud  shinnsear  o'n  staid  naomh  anns  an  do 
chruthaicheadh  iad,  agus  gu'n  do  thuit  an 
cinne-daonna  uile  le  peacadh  Adhaimh,  air  chor 
agus  gu  bheil  nadur  an  duine  air  a  thruailleadh 
gu  buileach,  a  thoil  ann  an  daorsa,  agus  e  gun 
chomas  maith  a  dheanamh  no  maith  iarraidh  ; 
gu'n  do  thagh  Dia  cuid  o  shiorruidheachd  gu 
bhi  air  an  saoradh,  o  fhior  ghean-maith  fein, 
agus  nach  bi  duine  air  a  shaoradh  mur  robh  sin 
air  a  roimh-orduchadh.  Taghadh  is  roimh- 
orduchadh,  sin  na  puingean  sonraichte  air  an 
robh  teagasg  Augustine  air  a  steidheachadh, 
ach  sin  puingean  air  a  bheil  e  furasda  do  dhia- 
dhairean  comhairle  a  dhorchachadh  le  briathran 
gun  eolas.  Seachnaidh  a  h-uile  duine  glic 
nithean  nach  'eil  e  a'  tuigsinn  agus  nach  buin 
dha.     Buinidh  nithean  diomhair  do'n  Tighearna. 

Sgriobh  Augustine  de  leabhraichean  na 
chuireadh  sac  air  each  Barrach,  ach  a  mach  o 
sgoilearan,  tha  eagal  orm  nach  bi  moran  a' 
leughadh  nan  leabhraichean  sin  an  diugh,  ach 
a  mhain  aon  fhear  dhiubh,  an  leabhar  anns  an 
do  rinn  e  fhaoisid  ris  an  t-saoghal,  agus  anns  a 
bheil  e  ag  innseadh  mu  olcas  a  bheatha  an 
laithean  aineolais,  agus  mu  ghras  Dhe  a  shaor  e. 
Mairidh  an  leabhar  sin  gu  brath,  oir  tha  gach 
duilleag   dheth  fior,   agus   tha   gach   duilleag 


dheth  a'  togail  fianuis  leis  an  fhacal  so  a  sgriobli 
e  ann,  "  Rinn  Dia  an  duine  air  a  shon  fein,  is 
cha  bhi  fois  aig  cridhe  an  duine  gus  am  faigh  e 
fois  ann  an  Dia."  Tha  am  facal  sin  cho  ur  's 
ged  b'ann  an  de  a  bha  e  air  a  sgriobhadh ;  tha 
beatha  mhaireannach  ann  a  chionn  gru  bheil  an 
thn-inn  ann  ;  agus  bidh  e  air  a  radh  le  minis- 
tearan  ann  an  ciibaidean  an  uair  nach  bi 
cuimhne  idir  air  an  sgiiirsadh  a  rinn  Augustine 
air  na  Manichaeans,  no  air  na  h-Arianaich,  no 
cuimhne  air  na  tri  leabhraichean  deug  a  sgriobh 
e  mu'n  Trianaid. 

Bu  mhaith  leam,  m'an  criochnaich  mi,  aon 
fhacal  a  chuir  sios  air  an  duilleig  so  a  labhair 
Monica  a  mhathair,  boirionnach  caomhail  dia- 
dhaidh  a  b'annamh  a  leithid.  La  a  bha  i  fhein 
is  Augustine  a'  bruidhinn  mu  shonas,  thubhairt 
i,  "  Ma  tha  iarraidh  aig  duine  air  nithean 
maithe  bidh  e  sona,  ged  nach  biodh  iad  aige, 
ach  ma  tha  iarraidh  aige  air  droch  nithean,  cha 
bhi  e  sona,  ged  bhiodh  nithean  maith  aige." 
A  thaobh  an  fhacail  sin  chan  abair  mise  ach  so, 
gur  e  aon  de  na  nithean  maithe  a  tha  anns  an 
t-saoghal  so  do  dhuine,  leithid  Monica  a  bhi  aige 
mar  mhathair. 

Ged  tha  meas  mor  agam-sa  air  Augustine, 
agus  ged  nach  'eil  geamhradh  a'  dol  seachad 
nach  bi  mi  a'  leughadh  cuid  d'a  leabhraichean, 
bha  iomadh  rud  ann  nach  bu  toigh  leam,  agus 
gu  sonraichte  an  da  rud  so,  gu  robh  e  ro  ghaolach 
air  daoine  a  bhi  'g  a  mholadh  agus  a'  geilleadh 
dha,  agus  gu  robh  e  ro  ghaolach  air  a  bhi  ciob- 
aireachd  dhaoine  eile,  agus  nach  tugadh  e 
dhaibh  saorsa  an  inntinn  agus  an  toile  fein. 

Ach  air  a  shon  sin  bu  duine  mor  agus  bu 
duine  gasda  e  ;  bu  duine  e  air  an  robh  comhar- 
raidhean  na  diadhaidheachd.  Cha  robh  gaol 
aige  air  airgiod,  agus  an  deidh  dha  bhi  air 
iompachadh,  bha  e  stuama  anns  gach  doigh, 
ach  a  mhain  ann  an  deasbud.  Bha  e  eudmhor 
ann  an  seirbhis  an  Tighearna  agus  cho  dichiol- 
lach  'n  a  obair  's  gu'n  do  bhris  air  a  shlainte.  A 
mach  o'n  abstol  Pol  cha  robh  duine  riamh  ann 
a  thug  cruth  is  cumadh  do  smuaintean  uiread 
dhaoine  a  thaobh  a'  Chreidimh  Chriosduidh  's 
a  thug  Augustine.  B'e  an  duine  a  bu  talan- 
taiche  air  an  t-saoghal  'n  a  linn,  agus  is  e  an 
duine  as  cumhachdaiche  a  thainig  riamh  a 
mach  as  an  Afric. 


Anns  a'  Chathair 


IEUGHAIDH  daoine  rud  a  tha  air  a  radh 
J  anns  a'  Chathair  nach  leughadh  iad  na'n 
robh  e  air  a  radh  anns  a'  Chtibaid  ;  mar  sin  bu 
mhaith  leam  an  cothrom  so  a  ghabhail  air  cor 
nan  ludhach  a  thagradh,  agus  obair  an  t-soisgeil 
am  measg  nan  ludhach. 
Tha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  toigh  le 


daoine  na  h-Iudhaich  ;  na'n  ainmicheadh  an 
t-Urramach  Niall  MacPharlain,  B.D.,  ann 
an  eaglais  Chille-sgumain,  gu  robh  e  dol  a 
bhruidhinn  an  ath  Shabaid  mu  obair  an  t- 
soisgeil  am  measg  nan  ludhach,  bhiodh  an 
eaglais  leth  fhalamh ;  agus  tha  a'  cheart 
spiorad  sin  anns  gach  coimhthional  eile  anns 


ANNS  A'  CHATHAIR 


in  dtithaich.  Chan  e  mhain  gu  bheil  e  anns 
gach  coimhthional,  ach  tha  e  anns  gach  Cleir. 
Chan  aithne  dhomh  ach  gle  bheag  mhinistearan 
aig  a  bheil  suim  air  bith  do'n  oidhirp  a  thatar 
a'  deanamh  air  na  h-Iudhaich  iompachadh. 
Rud  narach,  ach  smior  na  firinn. 

Bha  na  h-Iudhaich  air  an  iomain  bho  thorn 
gu  torn  bho  chionn  nan  ceudan  bUadhna,  agus 
ma  thoisicheas  tu  air  an  caineadh  eisdidh 
daoine  riut  cho  toileach  's  ged  bhiodh  tu  a' 
caineadh  a'  Phapa,  no  a'  caineadh  Shatain. 
Anns  gach  tir  anns  an  do  thuinich  iad  riamh 
rinneadh  geur-leanmhuinn  orra,  agus  dh'  inn- 
seadh  barrachd  bhreug  uixipa  na  chaidh  inn- 
seadh  mu  chinneach  air  bith  eile.  Theagamh 
gu'n  d'  fhuair  iad  coibhneas  is  ceartas  anns  an 
rioffhachd  affainn  fhein  nach  d'  fhuair  iad  ann 
an  aite  eile  riamh,  ach  eadhon  ann  am  Breatunn 
bha  iad  air  an  cumail  fodha,  agus  bha  e  daonnan 
furasda  do  dhaoine  gun  choguis  droch  thuaileas 
a  thogail  orra. 

An  am  a'  chogaidh  an  uair  a  bha  fearg  oirnn 
ris  an  Turcach  agus  a  chualas  gu'n  deachaidh 
reiseamaid  de  ludhaich  a  thapaid  leinn  ann  an 
Gallipoli,  neo-ar-thaing  nach  robh  meas  air  na 
h-Iudhaich  an  uair  sin ;  neo-ar-thaing  nach 
robhtar  toileach  croitean  a  thoirt  daibh  ann 
tir  a'  gheallaidh  a  thuilleadh  air  an  t-soisgeul. 
Ach  chan  'eil  cuimhne  air  a  sin  an  diugh. 

Tha  corr  is  da  mhile  bliadhna  bho  thoisich  na 
h-Iudhaich  air  a  bhi  air  an  sgapadh  air  feadh 
an  t-saoghail  ;  gun  dachaidh,  gun  diithaich, 
gun  righ,  ach  an  aite  an  diithchas  a  chall  no 
am  fuil  a  mheasgadh  ri  fuil  nan  cinneach  a  thug 
tearmunn  daibh,  tha  sliochd  Abrahaim  an  diugh 
fhathast  'n  an  sluagh  dealaichte  mar  bha  iad 
anns  na  laithean  o  shean.  Tha  e  mar  gu'm 
biodh  freasdal  an  Tighearna  ag  oibreachadh 
ann  an  ciirsa  an  t-sluaigh  so  air  thalaxnh,  agus 
mar  nach  robh  a  riiintean  siorruidh  d'  an  taobh 
air  an  coimhlionadh  fhathast.  Bha  Pol  de'n 
bheachd  nach  do  thilg  Dia  air  falbh  na  h- 
ludhaich  gu  buileach,  agus  gu'n  tigeadh  iad 
air  an  ais  agus  gu'm  biodh  Israel  uile  air  an 
tearnadh, — Ma's  e  an  tilgeadh-san  air  falbh 
reiteachadh  an  domhain  ;  ciod  e  an  ath-ghabhail 
ach  beatha  o  na  marbhaibh  ? 

Rinn  an  eaglais  Chriosduidh  geur-leanmhuinn 
air  na  h-Iudhaich  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh 
agus  bhiodh  e  maith  d'a  cridhe  agus  d'a  coguis 
fein  na'm  feuchadh  i  ri  folach  a  chur  air  a 
cionta  le  baigh  a  ghabhail  riu  a  nis,  agus  an 
fhirinn  a  thoirt  daibh  ann  an  gradh.  An  uair 
a  bha  Sacheus  air  iompachadh  bha  iarrtus  'na 
chridhe  air  na  rinn  e  cearr  ann  an  laithean 
aineolais  a  chur  ceart,  "  Ma  thug  mi  aon  ni 
o  neach  air  bith  le  casaid  bhreige  tha  mi  a' 
toirt  dha  a  cheithir  uiread."  Tha  an  t-iarrtus 
sin  ann  an  cridhe  gach  duine  anns  a  bheil 
coguis  fhallan,  agus  saoiHdh  mi  gu  bheil  e  mar 
fhiachaibh  air  an  eaglais  cho  mhaith  's  a  tha  e 


mar  fhiachaibh  air  duine,  apeacaidhean  aideach- 
adh  agus  an  rud  a  rinn  i  cearr  a  chur  ceart. 

Ged  nach  biodh  aobhar  eile  idir  air  tiigh  a 
ghabhail  ann  an  cor  nan  ludhach,  nach  bu  leor 
an  t-aobhar  e  gu  bheil  sinn  fo  fhiachaibh  dhaibh 
cho  mor,  oir  is  ann  bhuapa  a  fhuair  sinn  an 
Solus.  A  h-uile  Sabaid  tha  sgriobturan  nan 
ludhach  air  an  leughadh  ann  an  eaglaisean 
Criosduidh  ;  thug  iad  dhuinn  faidhean  is  salma- 
dairean  is  abstoil,  agus  thug  iad  dhuinn  mu 
dheireadh  losa  fein,  Solus  an  t-saoghail.  Ma's 
sinne  a  shluagh-san  is  e  iadsan  a  shluagh  cui- 
deachd,  agus  bu  choir  duinn  a  chuimhneachadh 
gu'n  do  rinn  Dia  'n  an  aon  sinne  agus  iadsan. 

Anns  na  laithean  o  shean  bha  tairgse  an  t- 
soisgeil  air  a  thoirt  do  na  h-Iudhaich  an  toiseach, 
ach  an  diugh  tha  na  h-Iudhaich  air  an  cur  air 
dheireadh,  air  neo  air  am  fagail  a  mach  uile  gu 
leir.  Daoine  a  bheir  coig  puinnd  Shasunnach 
le  am  beannachd  do  aobhar  an  t-soisgeil  am 
measg  nan  cinneach,  cha  toir  iad  ach  leth- 
chrim  do  shliochd  Abrahaim,  agus  bheir  iad  sea- 
chad  an  leth-chriin  sin  fhein  gun  am  beannachd. 

Bidh  na  daoine  a  tha  meagh-bhlath  mu 
obair  an  t-soisgeil  am  measg  nan  ludhach  ag 
innseadh  dhuinn  gun  sgur  nach  'eil  an  obair 
a'  soirbheachadh  idir  ;  gu  bheil  cridheachan  nan 
ludhach  cruaidh,  agus  nach  'eil  iad  furasda  am 
iompachadh.  Tha  sin  uile  fior  ;  de  'n  chloinn 
ludhach  a  tha  air  an  teagasg  ann  an  sgoilean 
Criosduidh  chan  'eil  ach  aireamh  bheag  ag 
aideachadh  Chriosd.  Ach  ma  tha  an  obair 
duilich  chan  aobhar  sin  gu'n  sguireadh  an 
eaglais  dhi  uile  gu  leir. 

Theagamh  gu  bheil  beagan  de'n  choire  againn 
fhein  na  h-Iudhaich  a  bhi  cho  danarra  an  ag- 
haidh  a'  chreidimh  Chriosduidh,  oir  thatar]  ag 
iarraibh  orra  cleachdaidhean  an  aithrichean  a 
threigsinn  m'an  gabhar  riu  ann  an  comunn  nan 
Criosduidhean.  Far  a  bheil  Spiorad  an  Tigh- 
earna tha  saorsa,  agus  cha  bhiodh  e  'na  chall 
ach  'n  a  Ibhuannachd,  na'n  leigeamaid  leis  na 
h-Iudhaich  a  tha  creidsinn  ann  an  Criosd  lean- 
tail  ris  na  deas-ghnathannan  aca  fhein.  Sin  an 
doigh  a  bha  aig  Calum-Cille. 

Bha  na  h-Iudhaich  riamh,  agus  tha  iad  an 
diugh  fhathast,  fo  chumhachd  an  t-saoghail 
neo-fhaicsinnich.  Ged  bhithear  a'  cur  as  an 
leth  gur  e  an  talant  is  sonraichte  a  tha  aca  a 
bhi  maith  air  airgiod  a  dheanamh,  tha  talant 
aca  as  fhearr  na  sin.  Tha  tart  'n  an  anam  an 
geall  air  an  Dia  bheo,  agus  tha  iarrtus  aca  air 
a  riiintean  a  rannsachadh.  An  uair  a  bha  geur- 
leanmhuinn  air  a  dheanamh  orra  agus  a  bha 
iad  ag  itheadh  an  arain  ann  an  searbhadas 
cridhe,  chan  'eil  teagamh  nach  do  thuit  moran 
dhiubh  air  falbh  agus  nach  d'  fhuaraich  an 
gaol  air  na  nithean  ata  shuas.  Leig  iad  seachad 
an  diadhaidheachd  agus  thoisich  iad  air  aoradh  a 
dheanamh  do  Mhamon,  a'  deanamh  dioghaltais 
air  an  eascairdean  le  bhi  a'  toirt  daibh  iasad 


ANNS  A'  CHATHAIR— CAIRDEAN  PHOIL 


airgid,  a'  spuilleadh  nan  Criosduidhean  mar  a 
spuill  iad  na  h-Eiphitich.  Ach  bha  iarmad  'n  am 
measg  daonnan  nach  do  lub  an  glun  do  Mhamon ; 
ann  an  laithean  na  geui'-leanmhuinn  fhuair  iad 
sin  leigheas  air  son  leon  an  cridhe,  chan  ann 
anns  a'  mharsantachd  ach  ann  an  iirnuigh,  a' 
feitheamh  le  foighid  mhaith  ri  Di  agus  dochas 
aca  ri  solas  Israeil. 

Chan  Israehch  iad  uile  ata  o  Israel  ;  is  e  an 
t-iarmad  so  an  sliochd  dligheach  aig  Abraham 
d'an  tug  Dia  na  geallaidhean,  agus  do  bhrigh 


gu  bheil  facal  an  Tighearna  seasmhach,  thig 
iad  so  fhathast  air  an  ais  agus  bithidh  iad  air 
an  tearnadh.  Agus  an  sin  dealraichidh  solus  na 
h-eaglais  mar  nach  do  dhealraich  e  riamh  roimhe, 
oir  bheir  na  h-Iudhaich  a  steach  innte  talantan 
is  tiodhlacan  nach  h-urrainn  cinneach  air  bith 
eile  a  thoirt  a  steach  innte  ach  iad  fein. 

Air  sgath  an  aithrichean  bu  choir  duinn  baigh 
a  bhi  againn  riutha  agus  a  bhi  ag  iirnuigh  ri 
Dia  gu'n  tugadh  e  air  falbh  an  sgaile  a  tha  air 
an  siiilean. 


Cairdean  Phoil 


Epaphras 


rpHA  na  h-ainmean  Epaphras  agus  Epaphro- 
1-  ditus  cho  coltach  ri  cheile  's  gu  bheil 
duine  an  cunnart  a  bhi  smuaineachadh  nach 
robh  ann  ach  aon  duine  fo  dha  ainm.  Is  e 
mearachd  a  bhiodh  ann  an  sin  :  bhuineadh 
Epaphroditus  do  Philipi,  ach  bhuineadh 
Epaphras  do  Cholose.  Bha  e  air  aon  de 
chairdean  Phoil  air  nach  'eil  moran  eolais 
againn.  Tha  aobhar  a  bhi  creidsinn  gu'm  bu 
Ghreugach  e.  Cha  robh  e  ach  gle  bg  an  uair 
a  thainig  e  gu  bhi  'n  a  chreidmheach.  Air 
maduinn  araidh  chuir  e  aghaidh  air  Ephesus — 
ceann-bhaile  nan  criochan  sin.  Bha  e  air  a 
tharruing  ann  an  sin,  faodaidh  e  bhi,  le  fios  gun 
robh  Pol  a'saothrachadh  an  Ephesus.  Cha  robh 
aite-aoraidh  fhathast  air  a  chur  suas  an  Ephesus, 
ach  thug  neach  araidh  d'am  b'ainn  Tirannus 
tigh  seachad  air  son  sin.  Ann  an  sin,  latha  an 
deidh  latha,  chruinnich  coimhthional  beag  am 
measg  an  robh  an  duine  bg  Epaphras.  Tha 
cuid  de  'n  bheachd  gum  b'ann  an  sin  a  chaidh 
Epaphras  iompachadh.  Co  dhiubh  a  mach 
uaithe  sin  bha  Pol  agus  Epaphras  do-sgaraichte, 
ach  uair  a  b'eigin  e,  's  cha  robh  sin  ain- 
neamh. 

B'e  thainig  as  :  cha  bu  luaithe  a  rainig 
Epaphras  a  dhachaidh  an  Colose  na  shear- 
monaich  e  losa  d'a  luchd-diithcha  iodhol- 
aorach.  Chan  'eil  e  coltach  gun  cuala  iad  an 
Soisgeul  roimhe  sin.  Bha  e  fabharach  gun 
cuala  iad  e  o  bhilean  cho  glan  ri  bilean  Epaph- 
rais.  Chan  'eil  ni  sam  bith  ann  a  bhuadhaicheas 
cosmhuil  ri  sin.  "  Chan  'eil  annaibh  uile  ach 
Pharasaich,"  arsa  cuid-eigin  ri  duine  a  bhui- 
neadh do  eaglais  eadar-dhealaichte  uaithe  fein. 
"  Chan  fhaod  e  bhi  gu  bheil  sinn  uile  mar  sin  ?  " 
"  Tha  "  ars  esan,  "  uile."    "  Ciod  e  do  bheachd, 

ma  tha,  air ?  "    "  Tha  fhios  aig  na  h-uile  gu 

bheil  esan  'n  a  dhuine  maith,  ged  tha  e  san 
Eaglais  chearr."  Is  fearr  an  seorsa  sin  na 
feachd  ;  agus  bha  Epaphras  air  aon  diubh. 
Tha  e  air  a  radh,  an  fheadhainn  a  tha  air  an 
iompachadh  gu  bheil  iad  uairean  cosmhail  ris  an 
neach  a  bha  'n  a  mheadhon  air  an  iompachadh. 
Co  dhiubh,  bha  sin  fior  mu  Epaphras  agus  mu 


na  Colosianaich.  Chithear  sin  'san  litir  a  sgriobh 
Pol  d'an  ionnsuidh.  Cha  tuiffeadh  i  ach  sluaarh 
a  bha  air  abuchadh  gu  mor  ann  an  nithean 
spioradail.  Chan  fhaca  Pol  fhein  riamh  na 
Colosianaich,  ach  bha  e  eolach  gu  leor  air  an 
teachdaire  bg  urramach  a  bh'aca  :  Epaphras, 
Cha  b'e  gun  robh  Epaphras  'n  a  aonar  anns  an 
obair  a  bha  e  deanamh  an  Colose.  Bha  cui- 
deachadh  aige  o  Philemon ;  o  mhnaoi,  Apphia, 
agus  o  Archippus,  am  mac.  Bha  Philemon  an 
suidheachadh  cothromach.  B'e  a  thigh  aite- 
aoraidh  6g-eaglais  nan  Colossianach  air  a'cheann 
mu  dheireadh. 

Tha  iad  ann — beag  no  mor  co  dhiubh — a  tha 
a'  smuaineachadh  ma  ni  iad  an  dleasdanas  d'an 
coimhthional  fein  nach  'eil  an  corr  a  dh'fhiachan 
orra.  Sin  creud  nach  'eil  idir  's  a'  Bhiobull. 
Is  e  tha  anns  a'  Bhiobull  :  "  Searmonaichibh 
an  Soisgeul  do  gach  dicil."  Sin  mar  a  thuig 
a'cheud  eaglais  e,  agus  sin  mar  a  ghniomhaich 
i  ;  agus  cha  robh  eaglais  nan  Colosianach  air 
dheireadh  air  feadhainn  eile.  An  deidh  steidh- 
eachadh  an  t-Soisgeil  an  Colosse  chuir  iad 
Epaphras  fa  sgaoil  air  son  Criosd  a  shear- 
monachadh  ann  am  bailtibh  Hierapolis  agus 
Laodicea.  Air  an  turus  sin  thug  e  leis  Archip- 
pus, mac  na  dithis  a  bha  cho  mor  'n  an  cui- 
deachadh  dha  fein,  agus  shoirbhich  an  saothair 
leo. 

Gidheadh  thainig  ciiisean  mun  cuairt  a 
ghairm  Epaphras  air  ais  gu  Colosse.  Dh'eirich 
eas-aonachd  am  measg  nan  Colosianach  do 
bhrigh  luchd-teagaisg  mheallta  a  thainig  a  stigh 
'n  am  measg.  Cha  robh  Pol  dliith  air  laimh 
aig  an  am.  Bha  e  'n  a  phriosonach  'san  Roimh. 
An  nine  ghoirid  bha  Epaphras  cuideachd  'n  a 
phriosonach — faodaidh  e  bhi  anns  an  aon  seomar 
ri  Pol.  Ma  bha,  bhiodh  an  darna  h-aon  'n  a 
chomhfhurtachd  do'n  aon  eile.  Bhiodh  gu 
h-araidh  ciiisean  nan  Colosianach  fa'n  eomhair. 
Faodaidh  e  bhi  gum  b'ann  uaithe  sin  a  thainig 
litir  an  Abstoil  Pol  chum  nan  Colosianach. 

Cha  lean  sinn  na's  fhaide  air  saothair  Epa- 
phrais.  Tha  leasan  no  dha  co-cheangailte  r'a 
bheatha  as  coir  dhuinn  a  thoirt  fa-near.    Tha  i, 


CAIRDEAN  PHOIL— GEALLADH  m6R  AN  FHASAICH 


air  aon  ni,  a'  toirt  far  comhair  cho  maiseach 
/k  a  tha  easbhuidh  fein-speisealachd.  Cha  robh 
a  dhuais  aigEpaphras  ach  a  bhi  deanamh  maith. 
Cosmhuil  ri  Pol,  fhritheil  a  lamhan  d'a  uireas- 
bhuidh.  Cosmhail  ris-san  cuideachd  dh'fhao- 
dadh  e  radh  :  "  Chan  e  bhur  cuid  a  tha  mi  ag 
iarraidh  ach  sibh  fein."  Tha  fein-speisealachd 
nadurrach  gu  h-araidh  do'n  oigridh,  ach  an  uair 
a  chithear  a  chaochladh,  chithear  cho  maiseach 
agus  a  bha  "  an  diadhachd  fhior  agus  neo- 
shalach  am  fianuis  Dhe  "  is  dhaoine.  Chan  'eil 
ach  aon  rathad  ann  air  a  bhi  sona  :  a  bhi  ag 
iarraidh  sonas  muinntir  eile. 

Tha  sinn  a'  faicinn  cuideachd  cho  maiseach 
agus  a  tha  spiorad  na  h-urnuigh.  A  chum  gun 
seasadh  na  Colosianaich  "  foirfe  agus  coimh- 
lionta  ann  an  uile  thoil  Dhe,"  bha  Epaphras 
"  a  ghnath  a'  deanamh  sbairn  dhiirachdaich  ann 
an  urnuighibh."  Tha  an  cleachdadh  sin  maith 
do  dhuine  fhein,  agus  maith  d'a  cho-chreutair. 
Chan  'eil  fios  aig  aon  againn  a'  chomain  a  tha 
aig  urnuighean  feadhainn  eile  oirnn.  Bha  gille 
bg  air  a  bhuaireadh  gu  mor.  An  uair  a  bha  e 
direach  gu  tuiteam  ann,  chuimhnich  e  gum  b'e 
sud  a'  cheart  uair  anns  an  robh  e  'n  a  chleach- 
dadh  aig  a  mhathair  a  bhi  'g  iirnuigh  air  a  shon. 
Cha  b'urrainn  e  tuiteam. 

Aon  ni  eile,  agus  chi  sinn  cho  maiseach  agus 
a  tha  spiorad  na  h-irioslachd.      Cha  do  rinn 


Epaphras  uaill  sam  bith  anns  an  obair  a  rinn  e. 
Cha  d'thainig  e  idir  'n  a  inntinn  gun  rachadh 
ainm  sios  ann  an  ginealaichibh  gun  chunntas 
anns  an  obair  a  rinn  e.  Gidheadh,  mar  a  tha 
aon  ag  radh  :  Ged  is  fad  o'n  la  air  an  do 
bhasaich  Epaphras  tha  obair  fhathast  a'  dol  air 
adhairt  agus  tha  esan  beo  'n  a  obair." 

Ann  am  baile  beag  anns  an  do  chuir  an 
sgriobhadair  trian  d'a  oige  seachad  bha  seirbhis 
Sabaid  agus  seirbhis  seachdain  air  an  cumail. 
Anns  an  am  sin  cha  robh  uaireadairean  ach  ro 
ainneamh.  Bha  muinntir  a'  bhaile  air  an  tional 
le  seideadh  adhairc  boc-gaibhre  ri  eudan  creige 
a  bha  os  cionn  an  tigh-aoraidh.  Bha  am  baile 
air  a  chuairteachadh  le  ard-chnocaibh  a  thug 
mac-talla  do  ghlaodh  na  h-adhairc.  Ghluais  sin 
bg  is  sean  a  mach  aig  uair  na  h-iirnuigh.  Is 
fada  o  nach  do  sheid  an  adharc  ud  ach  tha 
spiorad  nan  seirbhisean  a  dh'ionnsaigh  an  do 
ghairm  i  fhathast  beo.  Sin  mar  a  bha  e  do 
Epaphras,  mar  a  tha  aon  ag  radh  :  "  Ged  bha 
a  theagasg  ann  an  Colose  agus  urnuighean  's 
an  Roimh  ann  an  cumhachd  is  ann  an  eud  an 
Spioraid  is  fada  o'n  thainig  tosd  air  a'  ghuth 
sin,  ach  tha  a  spiorad  agus  a  shaothair  agus 
iirnuighean  air  am  foillseachadh  le  Pol  a  chum 
agus  gun  ruitheamaid  agus,  gun  ruitheamaid 
na's  coimhlionta,  an  reis  a  chuireadh  romhainn." 

E.  G. 


Gealladh  Mor  an  Fhasaich 


*'/s  mi  am  Ti  as  mi." — Ecs.  iii.  14. 


IS  ann  coltach  ri  toimhseachan  a  tha  an  ear- 
ran  so.  A  reir  gnaths  na  h-Eabhra  tha  an 
t-eadar-theangachadh  so.  Is  mi  an  Ti  as  mi, 
freagarach  gu  leor,  ged  a  dh'fhaodas  eadar- 
theangachaidhean  eile  a  bhi  freagarach  cuid- 
eachd. Chan  'eil  teagamh  agam  nach  robh  a 
brigh  soilleir  gu  leor  do  Mhaois  agus  do  bheagan 
eile  a  bha  air  ceann  an  t-sluaigh,  mu'n  robh 
e  soilleir  do'n  t-sluagh  gu  leir. 

Ach  air  an  laimh  eile  cha  bhiodh  e  'n  a 
oilbheum  do'n  Eabhra  no  do'n  Ghaidlig  ged 
chuireadh  daoine  Gaidhlig  eile  air  na  facail, 
abair,  "  Bidh  mi  an  ti  a  bhitheas  mi."  Tha 
mhaitheas  air  an  doigh  sin  gu  bheil  e  na's  usa 
a  thuigsinn  na  an  doigh  eile,  eadhon  "is  mi 
an  ti  as  mi."  Ma  their  mi  "  Bidh  mi  an  ti  a 
bhitheas  mi,"  nach  'eil  mi  air  a'  chuid  as  lugha 
a'  dusgadh  d 'inntinn  chum  diiil  a  bhi  agad  ri 
ni  maith  air  chor-eigin.  Is  ann  anns  an  ainm 
so  a  fhuair  Maois  araon  an  t-iighdaras  a  rinn  e 
'n  a  cheann-iiiil  air  sluagh  Dhe,  agus  an  gealladh 
leis  an  do  neai'taich  Dia  e  'n  a  ghairm. 

Is    E    THA    AN    so    GeALLADH    MoR. 

Tha  Dia  a'  cluinntinn  gearain  a  shluaigh  anns 
an  Eiphit.    Tha  e  air  ti  an  gairm  a  mach  a  tir 


na  h-Eiphit,  ach  ma  tha  e  an  comas  gairdean 
treun  Pharaoh  cha  tachair  sin.  Ann  an  neart 
a'  gheallaidh  chaidh  Maois  agus  Aaron  air  an 
aghaidh.  Ann  an  iighdaras  an  ainme  's  an  do 
choisrig  Iehovah  iad  sheas  Maois  agus  Aaron 
air  ceann  an  t-sluaigh.  Ann  an  neart  a'  gheal- 
laidh sin,  agus  an  iighdaras  an  ainme  sin,  tha 
iad  a'  deanamh  gnothuich  as  leth  an  t-sluaigh 
ri  Pharaoh.  Tha  an  gealladh  a'  deanamh  cinn- 
teach  dhaibh  nach  ann  'nan  aonar  a  tha  iad  a' 
seasamh.  Cho  cinnteach  's  a  thig  an  cas  bidh 
esan  cho  maith  ri  fhacal.  Is  ann  an  uair  sin  a 
nochdas  esan  ciod  as  ciall  do'n  fhacal  :  "  Bidh 
mi  an  ni  a  bhitheas  mi."  Tha  suidhichidhean 
ann  anns  nach  'eil  Dia  deonach  e  fhein  a 
nochdadh  roimh  'n  am.  Tha  suidhichidhean 
eile  ann  agus  bidh  e  soilleir  bho  thoiseach  gu 
bheil  Dia  fhein  'n  a  sheasamh  anns  a'  bhearn. 
Chitear  nach  ann  gu  diamhain  a  thug  e  gheal- 
ladh  ;  chitear  gu  soilleir  gu  bheil  araon  a  neart 
's  a  shaoibhreas  uile  'san  urras.  A  chionn  gur 
gealladh  mor  e  tha  e  ag  iarraidh  creidimh  is 
iimhlachd  d'a  reir. 

Air  cho  cruaidh  is  cho  duilich  is  a  bha  an 
t-slighe  orra  bha  e  soilleir  dhaibh  fhein  gun 
robh  Dia  Israel  air  an  crann.  A  chionn  gun 
robh  an  gealladh  cho  m6r  is  cho  luachmhor  is 


BETESDA  TEACH  NA  H-IOCHD— COMHAIRLEAN  GLIC 


ann  air  an  aobhar  sin  a  dh'  fheumas  gras  a' 
chreidimh  agus  na  h-iimhlachd,  a  bhi  mor 

LEIG    LE    DiA    A    THIDE    FHEIN    A    GHABHAIL    RIUT. 

Na  bi  mi-fhoighidneach  ri  Dia.  Bi  cinnteach 
nach  dean  e  dearmad  ;  ach  bi  cinnteach  gun 
gabh  e  thide  fhein.  Creid  gu  bheil  e  comasach 
air  do  chilis  a  sheasamh  anns  gach  cas.  Os 
cionn  na  h-uile  ni  creid  gu  bheil  esan  a'  deanamh 
a  chilis  fhein  de  gach  ni  a  tha  tighinn  eadar 


thu  agus  sonas.  Feith  gu  foighidneach  ri  Dia, 
is  nach  urrainn  neach  a  chaoidh  Ian  fhios  a  bhi 
aige  air  cho  luachmhor  's  a  tha  anam  aig  Dia. 

Chan  'eil  mi  idir  cinnteach,  ged  a  tha  fhios 
againn  cho  earbsach  's  a  tha  Dia,  gu  bheil  sinn 
cho  ealanih  no  cho  deonach  air  ar  n-uile  earbsa 
chur  'n  a  fhacal,  ged  is  e  ainm  fhein  an  t-urras 
as  me  as  urrainn  a  bhi  againn  air  fhirinn  is  air 
a  ghras. 

C.  M. 


Betesda  teach  na  h-iochd 


K 


I  taobh  Bhetesda  miheomhraich  mi 
A  liughad  ni  a  dh'  aom  ; 
An  t-aingeal  tearnadh  nuas  o  neamh 
'N  a  leigh  do'n  lochan  naomh  ; 
Na  creuchdaich  uile  cruinn  m'a  bhruaich 

A'  feitheamh  uair  an  aigh  ; 
Gach  aon  air  chrith  le  iomaguin  gheur, 
"  An  ruig  mi  'n  leigh  roimh  chach  ?  " 


A  dhiblidh  thruaigh  tha  'n  ciiil  leat  fhein, 

Gun  speis  aig  neach  do  d'  leon  ; 
Ge  sgitheil  mall  bha  d'  uair  's  an  teachd, 

Tha  i  a  steach  fa  dheoidh  : 
Tha  'n  Leigh  a'  dearcadh  ort  le  shiiil, 

'S  a'  driichdadh  ort  a  baigh  ; 
Tha  teinn  a  ghnath  cur  stad  'n  a  cheum 

Is  eirig  air  a  ghradh. 

O  thir  ludea,  b'  olc  do  rath 

Nach  d'  aithnich  thu  do  Shar  ; 
Do  shiiilean  cuairteachadh  nan  speur, 

'S  gun  fhios  duit  neamh  air  lar  ; 
Cha  'n  ionghnadh  leam  do  dhiithaich  fhas, 

Is  d'  amhghar  anns  an  rod  ; 
Do  chraobhan  seilich  anns  gach  tir, 

'S  do  chlarsach  bhinn  gun  cheol. 

Na  'n  ciimteadh  coir  cha  b'  ionnan  sgeul 
Do  m'  dhiithaich  fhein  's  an  lar  ; 

Cha  tilgeadh  i  a  cli  no  tuar, 
A  dualchas  oirdhearc  liath  ; 


Bu  mhoch  a  dh'  aithnich  i  an  Sar, 

'S  a  dh'  fhailtich  i  an  High  ; 
'S  ri  taobh  Bhetesda  's  dligheach  earn 

Do  chanain  chaoimh  na  h-I. 

Bu  mhaith  do  choir  a  Ghaidhlig  bhinn 

Air  aite  'n  tir  nan  naomh  ; 
Bu  druighteach  riamh  an  Gairm  o  d'  bheul, 

Bu  mhoid  an  Sgeul  do  ghaol  ; 
Bu  shalm  thu  anns  na  laithibh  daoi, 
A'  dion  nan  saoi  le  d'  ghleus  ; 
'S  bu  lochran  thu  's  an  oidhche  cheo, 

'N  uair  chaill  an  Eorp  a  ceum. 

'S  gu  bheil  Betesda,  teach  na  h-iochd, 

No  'riochd  'nam  dhuthaich  fhein  ; 
A'  sruthadh  nios  a  creig  nan  Cian, 

'S  e  'g  altrum  shliabh  is  speur  ; 
Tha  li  an  aingil  air  do  thonn, 

Tha  lorg  a  bhonn  'nad  chre, 
'S  tha  sluagh  mo  ghaoil  an  cois  do  bhruaich 

A'  feitheamh  uair  do  leigh, 

O  aingil  chaoimh  ta  'dion  ar  sloigh, 

Nach  tig  thu  oirnn  as  iir  ; 
Nach  luaisg  thu  dhuinn  an  lochan  aigh, 

'S  gu  faigh  sinn  slaint  is  miiirn  ; 
Na  's  mo  na  diobair  clann  na  h-I, 

An  cainnt,  an  tir,  no  'n  sliochd  ; 
'S  gur  h-e  an  diiil  's  an  duan  gu  beachd, 

Betesda,  teach  na  h-iochd. 

CoiNNEACH  MacLeOID. 


Comhairlean  glic 


1.  Leum  an  garradh  far  an  isle  e.  Is  bochd 
do  dhuine  a  luirgnean  a  bhriseadh  leis  an  ro- 
spailp. 

2.  Chan  uallach  comhstadh  a  dheanamh  ri 
caraid. 


3.  Chan  aobhar  aithreachais  freagradh  min 
a  thoirt  do  dhuine  feargach. 

4.  Ma's  tuathanach  thu,  na  toir  biadh  idir  do 
dhroch  bheathach  agus  na  caomhain  biadh  air 
beathach  maith. 


Air 


II 


930 


Feill-Aindreis  :    30  November 

"  Aindreas,  brdthair  Shimoin  Pheadair.''' — Eoin  i.  40. 


GED  nach  'eil  muinntir  na  h-Alba  a'  cleach- 
dadh  a  bhi  cumail  feilltean  nan  naomh,  tha 
aon  naomh  ann  d'a  bheil  iad  a'  toirt  urram  nach 
toir  iad  do  chach,  an  naomh  Aindreas.  Oidhche 
na  Feill-Aindreis,  amis  gach  cearn  de'n  t-sao- 
ghal,  bidh  Albannaich  a'  cruinneachadh  comhla, 
gu  bhi  cumail  suas  an  cairdeis  agus  an  gaol- 
diithcha,  agus  gu  bhi  cuimhneachadh  air  an 
dachaidhean  agus  air  an  fheadhainn  a  tha  fada 
bhuapa.  Agus  tha  iad  a'  taghadh  na  h-oidhche 
sin  a  chionn  gur  e  Aindreas  naomh-comraich  is 
fear-taice  na  h-Alba. 

A  reir  beul-aithris  na  h-eaglais  thachair  do 
Aindreas  mar  a  thachair  d'a  Mhaighstir,  bha 
e  air  a  cheusadh  ;  ach  tri  cheud  bliadhna  an 
deidh  a  bhais  thog  an  righ  Constantine  na 
ghabhadh  faotainn  d'a  chnamhan  agus  de'n 
iiir  anns  an  robh  e  air  a  thiodhlacadh,  agus 
thaisg  e  iad  gu  curamach  anns  an  eaglais  mhoir 
a  bha  air  a  cur  suas  ann  an  Constantinople  mar 
chuimhneachan  air  an  da  abstol  dheug.  An 
deidh  bas  Chonstantine  thug  manach  Greugach, 
duine  diadhaidh  d'am  b'ainm  Regulus,  cnamhan 
Aindreis  do  Albainn,  agus  thiodhlaic  e  iad  air 
an  taobh  an  ear  de  shiorramachd  Fiof,  air  an 
laraich  air  a  bheil  baile  Chill-ribhinn  air  a 
thogail.  Sin  mar  a  thachair  gu'n  robh  Aindreas 
air  a  ghabhail  mar  naomh-comraich  is  fear-taice 
na  h-Alba,  agus  sin  an  t-aobhar  gu'm  bi  ar 
daoine-ne  (gu  sonraichte  an  fheadhainn  dhiubh 
a  tha  air  an  aineoil  an  diithchannan  eile)  a' 
cumail  na  Feill-Aindreis.  Bidh  iad  a'  cruin- 
neachadh gu  bhi  cumail  cuimhne  air  an  diithaich, 
agus  air  an  daoine,  agus  air  Dia  an  aithrichean. 

Rugadh  Aindreas  am  Bethsaida  Ghalile  ;  b'e 
ainm  athar  lonas,  is  ainm  a  mhathar  lohanna. 
Bha  e  'n  a  dheisciobul  aig  Eoin  a'  Bhaistidh 
m'an  do  thachair  e  riamh  air  Criosd.  Dhiiisg 
searmonachadh  Eoin  iomaguin  spioradail  'n  a 
anam,  agus  lean  e  e  mar  dheisciobul.  Cha  b' 
urrainn  da  e  fein  a  chur  fo  theaffasa:  a  b'fhearr  : 
fo  shearmonachadh  Eoin  bha  a  chridhe  air  a 
dheasachadh  air  son  an  t-Slanuigheir,  air  chor 
agus  gu'n  do  fhreagair  e  a  ghairm  a  thug  losa 
dha,  a  cheart  cho  luath  's  a  choinnich  iad  aig 
abhainn  Jordan. 

Chan  'eil  Mata,  no  Marc,  no  Lucas,  ag  radh 
moran  mu  Aindreas  ;  mur  biodh  againn  ach  na 
tha  iadsan  ag  innseadh  dhuinn  cha  bhiodh 
moran  eolais  againn  uime  ;  ach  bha  taobh  air 
chor-eigin  aig  Eoin  ris,  agus  is  e  Eoin  a  chum 
air  chuimhne  cuid  de  na  nithean  a  tha  dear- 


bhadh  gu  robh  Aindreas  'n  a  chompanach 
dileas  agus  'n  a  sheirbhiseach  dileas  do  Chriosd. 

Tha  Eoin  ag  innseadh  tri  naigheachdan  uime, 
agus  bhuapa  sin  faodar  a  thuigsinn  gu  robh  e 
eudmhor  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil.  Tha  e 
ag  innseadh  mar  a  chaidh  Aindreas  a  dh'iarraidh 
a  bhrathar  Peadar,  an  uair  a  fhuair  e  am 
Messiah  ;  tha  e  ag  innseadh  gur  e  Aindreas  a 
tharruing  aire  Chriosd  a  dh'ionnsuidh  an 
oganaich  aig  an  robh  an  t-iasg  agus  an  t-aran 
leis  an  do  rinn  e  aon  d'a  mhiorbhuilean  ;  agus 
tha  e  ag  innseadh  cuideachd  gur  e  Aindreas  a 
thug  na  Greugaich  gu  losa  an  uair  a  thainig  iad 
'g  a  f  haicinn. 

Sin  na  tha  air  innseadh  uime  anns  an  Tiom- 
nadh  Nuadh,  ach  a  reir  beul-aithris  na  h-eaglais 
chaidh  e  do  dhiithchanna  cein  a  shearmona- 
chadh an  t-soisgeil,  an  deidh  aiseirigh  Chriosd. 
Tha  e  air  a  radh  gu'n  d'  fhuiling  e  geur-lean- 
mhuinn  air  sgath  Chriosd,  agus  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  gu'n  d'f hulling  e  am  bas  air  a 
sgath,  agus  tha  e  air  innseadh  uime  cuideachd 
gu'n  do  lean  e  air  ainm  losa  a  mholadh  eadhon 
air  a  cheann-cheusaidh,  a  dh'aindeoin  pian  a 
chuirp. 

A  thaobh  buadhan  inntinn  cha  ghabh 
Aindreas  coimeas  ri  Peadar,  no  ri  Eoin,  no  ri 
Pol.  Cha  tug  Dia  dha  na  talantan  a  bha  aca- 
san.  Ach  rinn  e  deagh  bhuil  de  na  talantan  a 
fhuair  e,  agus  ged  nach  'eil  e  cho  ainmeil  riu-san 
bha  e  a  cheart  cho  dileas.  Tha  eadar-dheala- 
chadh  eadar  reult  agus  reult  a  thaobh  gloire, 
ach  is  ann  anns  an  aon  iarmailt  a  tha  iad  a' 
dealradh,  agus  is  e  cumhachd  an  aon  Ti  a  tha 
iad  a'  nochdadh. 

Bha  Aindreas  'n  a  dhuine  iriosal  :  cha  robh 
uabhar  no  fein-speis  'n  a  chridhe,  agus  cha  mho 
a  bha  a  ghloir  fein  's  an  t-sealladh  aige  ann  an 
obair  air  bith  ris  an  do  chuir  e  a  lamh.  Cha  do 
ghabh  e  riamh  saoibhneas  a  chionn  gu  robh 
daoine  eile  air  an  cur  air  thoiseach  air  ;  bha 
irioslachd  gun  cheann  gun  chrioch  'n  a  chridhe, 
ni  a  tha  luachmhor  ann  an  sealladh  Dhe. 

Cha  robh  na  h-abstoil  uile  iriosal,  co  dhiu  an 
toiseach  ;  cha  mhor  dhaoine  a  tha,  oir  tha  fein- 
speis  is  gloir-dhiomhain  anabax-rach  duilich  an 
spionadh  as  am  bun.  Tha  gu  leoir  de  dhaoine 
a  leanas  air  a  bhi  eudmhor  ann  an  aobhar,  ma 
gheibh  iad  cliti  is  urram,  agus  ma  bheirear 
dhaibh  na  ceud  chaithrichean.  Ach  is  rud  eile 
e  a  bhi  eudmhor  gun  duais,  gun  chliii.  An  uair 
a  thachras  duine  ort  a  tha  toileach  air  a  lamh 


2 


FEILI.-AINDREIS  :   30  NOVEMBER 


a  chur  aim  an  obair,  agus  a  tha  ceart  coma  ged 
bhiodh  duais  is  cliii  na  h-oibre  sin  aig  neach  eile, 
faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gu  bheil  tomhas 
maith  amis  an  duine  sin  de'n  irioslacbd  a 
bhuineas  do  Chriosd,  agus  tomhas  maith  de'n 
ghradh  ?iach  gabh  farmad,  nach  dean  raiteachas, 
nach  'ell  air  a  sheideadh  suas,  nach  giidain  e  fei?i 
gu  mi-chiatach. 

B'e  Aindreas  ceud-thoradh  obair  Chriosd  air 
thalamh  ;  a'  cheud  duine  air  thalamh  a  dh'eisd 
ri  gairm  an  t-soisgeil.  Agus  a  cheart  cho  luath 
's  a  f  huair  e  fein  Criosd  thoisich  e  air  daoine  eile 
a  thoirt  'g  a  ionnsuidh.  Dh'  fhaodadh  e  a  radh 
mar  thubhairt  an  Salmadair,  "  Cha  d'fholuich 
mi  t'  fhireantachd  a'm'  chridhe."  Bha  fhios 
aige  nach  e  mhain  gu  robh  e  air  a  ghairm  gu 
bhi  'n  a  dheisciobul  ach  gu  robh  e  air  a  ghairm 
gu  bhi  'n  a  fhianuis  mar  an  ceudna. 

Tha  e  daonnan  mar  fhiachaibh  orra-san  a 
bhlais  deagh  thiodhlac  Dhe  am  fianuis  a  thogail 
air  taobh  Dhe  anns  an  t-saoghal.  Rinn 
Aindreas  sin,  am  measg  a  dhaoine  fein  an 
toiseach,  agus  an  deidh  laimhe,  am  measg  nan 
coimheach. 

An  uair  a  thug  e  a  bhrathair  Peadar  gu 
Criosd  rinn  e  an  obair-latha  a  b'  fhearr  a  rinn 
e  riamh.  Theagamh  gu  robh  e  na  bu  duihche 
dha  bruidhinn  ri  bhrathair  fein  mu  nithean 
spioradail  na  bhitheadh  e  dha  bruidhinn  ri  coig- 
rich — tha  sin  fior  mar  is  trice — ach  co  dhiu  rinn 
e  e,  agus  bheannaich  Dia  gu  pailt  an  rud  a  rinn 
e.  Tha  so  a'  togail  na  ceiste,  an  e  dleasdanas 
luchd-aideacliaidh  a  bhi  feuchainn  ri  daoine 
eile  iompachadh  le  bhi  bruidhinn  riu  m'an  cor 
spioradail.  Chan  'eil  a'  cheist  sin  idir  cho 
furasda  's  a  shaoileas  tu  ;  an  rud  a  tha  freagai'- 
rach  gu  leor  do  aon  duine  a  dheanamh  theagamh 
nach  biodh  e  idir  freagarrach  do  dhuine  eile. 
Tha  Dia  a'  toirt  talantan  gu  teagasg  do  chuid  ; 
talantan  gu  riaghladh  do  chuid  ;  talantan  gu 
comhfhurtachd  a  thoirt  d'am  braithrean  do 
chuid  eile  ;  is  chan  'eil  teagamh  nach  'eil  e  a' 
toirt  do  dhaoine  sonraichte  an  sid  agus  an  so 
talantan  gu  bhi  cosnadh  anamanna  d'a  rioghachd 
le  bhi  deanamh  seanchas  pearsonta  riu  an 
uaigneas.  Ma  fhuair  neach  air  bith  an  talant 
sin  o  Dhia  is  coir  dha  a  cur  gu  buil  ann  an  aobhar 
an  t-soisgeil,  agus  ma's  duine  tiirail  e  cha  dean 
a  bhriathran  cron.  Ach  is  beag  an  aireamh 
dhaoine  aig  a  bheil  an  talant  sin,  ged  is  mor  an 
aireamh  a  tha  an  diiil  gu  bheil  i  aca.  Tha  e 
furasda  do  dhaoine  iad  fein  a  mhealladh  agus 
a  bhi  saoilsinn  gur  e  eud  spioradail  a  tha  toirt 
orra  a  bhi  bruidhinn  air  Dia  is  siorruidheachd 
ris  gach  sean  is  6g  a  thachras  riu,  'n  uair  is  e  an 
fhirinn  nach  'eil  rud  air  bith  eile  a'  toirt  orra  sin 
a  dheanamh  ach  miomhadh  is  gaol-bruidhne. 
Ni  an  seorsa  dhaoine  sin  barrachd  de  chron  na 
ni  iad  de  nihaith,  le  bhi  foighneachd  do  gach 
fear  no  bean  no  paisde  a  thachras  orra  an  d' 
fhuair  iad  Criosd,  no  bheil  cur  am  aca  d'an  anam. 


Tha  moran  dhaoine  ann  a  dheanamh  barrachd 
seirbhis  do  rioghachd  Dhe  na'm  fanadh  iad 
samhach  na  ni  iad  gu  brath  le  bhi  ceasnachadh 
dhaoine  eile  m'  an  cor  spioradail.  'N  uair  a 
thoisicheas  iad  air  innseadh  gu  fosgailte  agus 
gu  fileanta  mar  a  bha  iad  fein  air  an  iompachadh, 
agus  a  labhras  iad  air  nithean  maoth  is  diomhair 
na  beatha  spioradail  mar  nach  biodh  iad  ach  a' 
bruidhinn  air  an  t-sid  no  air  obair  na  seachduin 
anns  a'  Pharlamaid,  chan  'eil  'n  an  cainnt  ach 
diomhanas  is  miomhadh,  is  chan  'eil  annta  fein 
ach  ciombail  a'  gleangarsaich.  An  aite  daoine 
eile  a  thaladh  gu  Criosd  is  ann  a  chuireas  iad 
droch  aileadh  'n  an  cuinnleanan  air  an  dia- 
dhaidheachd. 

Anns  a'  chliis  so,  mar  ann  an  nithean  eile,  bu 
choir  do  dhaoine  gliocas  ionnsachadh  o  Chriosd 
ar  Maighstir.  Bha  esan  deas  gu  bruidhinn  ri 
neach  air  bith  a  chuireadh  ceist  air,  no  dh'iarradh 
a  chomhairle,  no  thigeadh  thuige  a  dh'  iarraidh 
soluis  no  comhnadh,  is  b'  aithne  dha  am  facal 
ceart  a  radh  ris  an  duine  cheart  aig  an  am 
cheart,  ach  cha  d'  fhosgail  e  inntinn  no  chridhe 
do  eoin  an  adhair,  agus  cheil  e  eadhon  air  na 
h-abstoil  barrachd  de  dhiomhaireachd  anama 
na  dh'innis  e  dhaibh.  Co  a  b'urrainn  a 
chur  as  leth  an  t-Slanuigheir,  gu  robh  e  briddh- 
neach  ? 

Ach  ged  nach  'eil  e  freagarrach  gu'm  bithea- 
maid  a'  ceasnachadh  no  a'  teagasg  chairdean  is 
choimhearsnach  gun  sgur,  no  a'  feoraich  dhiubh 
mu  chor  an  anama  gun  an  cead  iarraidh  no 
fhaotainn,  tha  e  ceart  gu'n  deanadh  parantan 
air  son  an  cloinne  an  ni  a  rinn  Aindreas  d'a 
bhrathair.  Tha  e  ceart  gu'm  feuchadh  iad  ri 
an  clann  a  chosnadh  do  Chriosd.  Ma  tha  toil 
aig  parantan  sin  a  dheanamh  theid  aca  air  a 
dheanamh  air  iomadh  doigh,  ach  is  e  an  doigh 
as  fhearr  uile  gu  leir,  gu'n  deanadh  iad  an 
diadhaidneach  maiseach  is  ion-mhiannaichte 
ann  an  sealladh  an  cloinne  le  an  eisiompleir 
agus  an  giiilan  fein. 

Chan  'eil  e  coltach  gu'm  faca  Aindreas  moran 
de  thoradh  a  shaothrach  anns  na  cearnaibh  anns 
an  do  shearmonaich  e  an  soisgeul  ann  an 
deireadh  a  laithean.  Ach  cha  do  chaill  e  a 
mhisneach  is  cha  tug  e  thairis  ;  bha  e  dileas 
gu  bas.  Dh'  fhaodadh  e  a  radh  mar  thubhairt 
am  faidh,  "  Tha  facal  an  Tighearna  ann  am 
chridhe,  mar  gu'm  b'e  teine  loisgeach  air  a 
dhruideadh  suas  ann  am  chnamhan  agus  ged 
sgithich  mi  'g  a  chumail  a  steach,  chan  urrainn 
mi." 

Sin  an  t-eud  soisgeulach  a  dh'fheumas  a  bhi 
ann  an  cridhe  na  h-eaglais  ma's  maith  leatha 
umhlachd  a  thoirt  do  aithne  Chriosd, ' '  Deanaibh 
deisciobuil  de  na  cinnich  uile."  Cha  soirbhich 
leis  an  eaglais  gu  brath  ma  ni  i  dearmad  air  an 
aithne  sin.  'N  uair  a  dh'  fhasas  eud  sois- 
geulach na  h-eaglais  fann  tha  bliadhnachan  na 
gorta  air  teachd.     Ma  tha  Facal  an  Tighearna 


BIODH  UR  SUIL  AIR  NA  NITHEAN  THA  OS  UR  CIONN 


3 


priseil  dhuinn  fein  bidh  iarrtus  againn  air  a 
thoirt  do  dhaoine  nach  d'  fhuair  e  fhathast. 
Ach  mur  bheil  meas  againn  air  an  Fhacal  sin 
chan  'eil  ionghnadh  ged  bhitheamaid  caoin- 
shuarrach  co  dhiu  a  gheibh  no  nach  fhaigh 
daoine  eile. 

Ged  nach  robh  buadhan  mora  inntinn  aig 
Aindreas  chleachd  e  gu  dicliioUach  an  comas  a 


fhuair  e,  is  bha  e  dileas  anns  a'  bheagan.  Bha 
e  'n  a  dhuine  iriosal,  'n  a  bhrathair  dleasdanach, 
agus  'na  abstol  dileas.  Ach  is  e  am  moladh  as 
airde  a  ghabhas  deanamh  air  uile  gu  leir,  gu 
robh  e  daonnan  a'  briseadh  sios  bhallachan  a 
bha  seasamh  air  daoine  agus  Criosd,  agus  a' 
fosgladh  gheatachan  'g  an  leigeil  a  steach 
thuiffc. 


Biodh  Ur  Suil  Air  na  Nithean  tha  os  Ur  Cionn 


Col.  iii.  1 


C 'ARSON?  A  chionn  gun  do  thogadh  sibh 
maille  ri  Criosd.  A  chionn  gur  ann  an  sud  a 
tha  Criosd  'n  a  shuidhe.  A  chionn  gur  e  sud  as 
ard-run  Dhe  do  bhur  taobh.  An  urrainn  sinn  a 
chreidsinn  gum  b'urrainn  miann  eile  a  bhi  ann 
an  Dia  a  thaobh  an  duine  as  arda  na  gum  biodh 
e  maith  ?  Cha  chum  e  maith  air  bith  o'n 
fhirein.  B'e  so  a  mhiann  ro  uasal  da  thaobh  o 
thoiseach  ;  "  bithibh  se  naomh  oir  a  ta  mise 
naomh." 

Nach  b'e  so  cuideachd  ard  speis  an  Abstoil : 
iarraibh  na  nithean  a  tha  shuas  ?  far  a  bheil 
Criosd  'n  a  shuidhe  aig  deas  laimh  Dhe.  Chan 
urrainn  miann  a  bhi  an  ci-idhe  as  leth  duine  eile 
as  arda  na  sud.  Chan  urrainn  miann  as  spiora- 
daile  na  sud  a  bhi  an  cridhe  duine.  Agus  am 
maighistir  beannaichte  saoil  thu  am  b'urrainn 
diirachd  cho  naomh  a  thighinn  a  steach  air  aon 
anam  air  son  neach  eile,  an  uair  a  thuirt  e  ? 
"  Athair,is  aill  leamandreama  thug  thu  dhomh, 
gum  bi  iad  maille  rium,  far  a  bheil  mi."  Is  sona 
dha-riribh  an  t-anam  a  tha  'n  a  oighre  air  an  riin 
ud,  oir  a  bheil  an  sud  ach  neamh  nan  neamhan 
— a  bhi  maille  ris  far  a  bheil  e  ? 

An  urrainn  miann  a  bhi  'n  ar  n-anam  fhein 
as  arda  na  so  ?  Chan  e  sin  a  mhain,  ach  is  e  so 
a'  mhiann  a  dh'fheumas  a  bhi  ann  os  cionn  gach 
miann  :  chan  e  mhain  miann  air  diadhachd  mar 
spiorad  nam  beannachd — cha  b'urrainn  miann 
a  thighinn  air  ar  seilbh  bu  shona — ach  miann 
air  sonas  a  bhitheas  cho  maith  's  a  bhios  e  cho 
buan  :  bithidh  sinn  coltach  ris  :  Co  ris  a  bha  e 
coltach  ?  Chan  fhaighnich  thu  da  fhuair  co 
ris  tha  fear  na  ceille  coltach — Mullach  na  ceille. 
Sin  fear  nach  do  ionnsaich  foighidinn  bho  fhear 
gun  naire,  nach  d'  chuir  cus  d'hn  mhodh  'n  a 
sporan  is  diiil  aige  lann  a  ghleusadh  air  lann  fear 
nan  car.  Bu  lugha  na  sin,  bu  dili  leis  currag  a 
nuas  a  thoirt  do  eucorach  leis  'm  bu  mhaith 
arras-bacan  miomhodh  a  chur  eadar  esan  agus 
an  trocair  bu  mhiann  leis  a  nochdadh.  Mi- 
fhoighidneach  i-i  diadhachd  nach  ruig  ach  an 
aghaidh,  a  bhiodh  dana  ri  luchd  miomhoigh  agus 
luchd  leanmhainn  a'  chrainn-cheusaidh. 


Tha  ixiiann  as  arda  an  aon  Dhiadhaidh  fad  os 
ar  cionn,  agus  is  e  ar  cuid  direadh.  Biodh  sin  's 
a  chuid  aige  ;  cha  toir  e  oirnne  streap  dia- 
mhanais  a  dheanamh.  Tha  sin  a  mhaith  air 
an  direadh  bheannaichte  a  tha  ann,  cha  toir  i 
air  duine  a  ghabhas  rithe  gu  deonach  aon  cheum 
fais  a  thoirt  no  aon  cheum  diridh  a  thoii't  is  i  an 
comhairle  Dhe.  Is  ann  fada  os  ar  cionn  a  tha 
ceann  thall  turus  a'  chriosduidh,  ach  chan  'eil 
i  oirleach  os  cionn  a'  bhad  ud  anns  an  do  gheall 
gras  gun  stadadh  i.  Feumaidh  sinn  a  bhi  ag 
iarraidh  mur  bi  againn  ri  bhi  lorg  nan  nithean 
a  tha  os  ar  cionn.  Is  ann  a  tha  sgeul  eile  aig 
na  nithean  a  tha  fodhainn.  Na  bi  air  do 
mhealladh. 

Chan  'eil  craobh  anns  a'  choille  nach  'eil  a' 
streap  suas  chum  na  greine.  Gabh  beachd  air 
beatha  o  na  h-ionadaibh  arda  agus  fasaidh  na 
h-ionadaibh  arda  'n  an  ionadaibh  naomha.  Mar 
as  arda  is  ann  as  laige  greim  a'  bhuairidh.  Bha 
misionaraidh  an  Hirt  agus  bu  trie  a  bhiodhe  fas 
aonaranach.  Chaidh  e  an  la  ud  gu  mullach  a' 
chnuic  OS  cionn  nan  tighean  agus  shuidh  e  ag 
amharc,  chan  ann  idir  air  iongantasan  a'  chuain 
no  air  cho  dion  's  a  bha  na  h-eoin.  Chan  'eil 
teagamh  nach  fhaca  e  sin  gu  leir  is  nach  do 
chuir  e  gu  feun^  e  mus  do  dh'eirich  e.  Is  ann 
a  bha  e  smaoineachadh  air  an  eadar-dheala- 
chadh  a  bha  eadar  e  fhein  agus  na  h-eoin.  Cha 
robh  annsan  ach  creutar  air  bheag  sta:  cha  b'e 
sin  dhaibh-san  e.  Thill  e  dhachaidh  'n  a  dhuine 
nuadh.  Dh'fhag  e  chianalas  air  a'  chnoc  agus 
thill  e  ri  obair  le  siird  agus  le  siigradh  nan  eun. 

Tha  cuid  eile  ann  is  fhiach  dhuin  eisdeachd  ri 
an  sgeul. 

Tha  am  fear-cluich  ann  agus  tha  e  cinnteach 
gur  h-ann  air  an  deireadh  a  bhiodh  e  mur 
d'thugadh  e  cheann  bh'air  leabhair.  Tha  am 
fear-gnothuich  agus  am  fear-foghlum  agus  mur 
toir  iad  an  aire  co  bheir.  Ma  bheir  iad  so  uile 
an  aire  orra  fhein  le  ciall  nadurach  bheir  Dia 
a  bheannachd. 

Dh'ainmich  mi  ard-mhiann  no  dha.  Dh'fhao- 
dainn  fear  no  dha  eile  ainmeachadh  gun  chail 
a  chron  do  chhu  's  do  dhiadhachd  spioradail 


AINGEAL  AIG  TAOBH  AN  TEALLAICH 


agus  an  aire  nihaith  a  thoirt  do  diadhachd 
fhiorghlan  agus  fhallain.  Tha  rum  gu  leor  aig 
beatha  nan  gras  eadar  bearradh  nan  creag  bu 
inhaith  a  sheachnadh  agus  ionaltradh  reidh  na 
spreidhe  far  nach  tuislich  spuir. 

Tha  iad  so  uile  is  an  aire  air  an  ceum  agus  an 
siiil  gu  furachar  air  astar  fear-iuil.     Tha  an  siiil 


le  ro-aire  air  a'  cheann-uidhe  agus  a  chionn  's 
gu  bheil  ruigidh  iad  an  ceann-uidhe  le  tlachd. 
Chan  'eil  ach  aon  cheisd  a  tha  'n  a  dragh  dhuinn 
anns  an  fhir  shuidheachadh  a  tha  an  so:  an  e  an 
criosduidh  a  mhain  nach  ruig  a  leas  a  shuil  a  bhi 
am  bun  an  fhuaraidh  'n  a  leithid  so  a  ohas  ?  Is 
sona  dha-rireamh  a'  mhuinntir  aig  a  bheil  an 
suilean  air  na  nithean  a  tha  shuas. 


Aingeal  aig  taobh  an  teallaich 


{Naigheachd  do'n  chloinn) 


THIGIBH  a  so,  a  chlann,  agus  innsidh  mi 
naigheachd  dhuibh  ;  naigheachd  bhoidh- 
each,  agus  naigheachd  fhior  ;  naigheachd  mu 
bhalach  beag  nach  b'airde  na  mo  ghlim.  B'e 
ainm  a'  bhrogaich  bhig  so  Manus  ;  bha  briogais 
air,  is  boineid  air,  ach  chan  innis  mi  an  corr 
dhuibh  uime  sin  gus  an  ath  turus.  Obh,  obh, 
b'e  sin  a'  bhriogais  air  am  biodh  na  tuill,  agus 
a'  bhoineid  a  bhiodh  trie  air  chall. 

Coma  CO  leibh,  latha  a  bha  Manus  'na  shuidhe 
air  furm,  a'  sealltainn  air  dealbhan  ann  an 
leabhar,  agus  a  mhathair  a'  sniomh  air  a' 
chuibhil  (cha  robh  stigh  ach  iad  fhein  an  la 
ud),  thuirt  e  as  a  ghuth  tamh,  "  A  Mhathair, 
a  bheil  ainglean  a7in  P  " 

"  Tha  an  leabhar  naomh  ag  radh  gu  bheil," 
ars'  a  mhathair,  "  agus  cha  dean  esan  breug." 

"  Am  b'  urrainn  Dia  breug  innseadh  na'n 
toilicheadh  e  fhein  ?  "  arsa  Manus,  ach  gun 
feitheamh  ri  freagairt  chaidh  e  air  aghaidh, 
(oir  tha  inntinn  balaich  cho  luaineach  ri  seillean 
am  measg  fhliiraichean)  agus  thubhairt  e,  "  Am 
faca  sibh  fein  aingeal  riamh,  a  mhathair  ?  " 

Sheall  a  mhathair  air  an  dealbh  a  bha  fosgailte 
air  a  ghliiin,  dealbh  anns  an  robh  aingeal  air  a 
tarruing  mar  bhoirionnach  briagha,  le  suilean 
mora  gorma,  is  fait  ban,  is  aodach  geal,  agus 
sgiathan  lainnireach  air  am  pasgadh  air  a 
druim.  Is  e  thubhairt  i  (agus  i  togail  Mhanuis 
'na  h-uchd  agus  'ga  phogadh),  "  chan  fhaca 
mise,  a  luaidh,  aingeal  de'n  t-seorsa  a  tha  anns 
an  leabhar  sin,  ach  mur  faca,  chunnaic  mi  gille 
beag  biodach  a  tha  gle  choltach  riutha." 

B'e  an  ath  cheist  a  chuir  Manus,  "  An  ann 
coltach  ris  na  sithichean  a  tha  na  h-ainglean, 
a'  cadal  anns  an  latha  agus  a'  tighinn  a  mach 
anns  an  oidhche." 

"  Chan  ann  idir,"  ars'  a  mhathair,  "  is 
ionnan  an  dorchadas  agus  an  solus  do  na  h- 
ainglean,  agus  ged  bhios  iad  a'  dol  a  mach  air 
cheann  obair  na  h-iochd,anns  an  oidhche  (oir 
tha  osnaich  is  cradh  a'  chruinne  a'  dtiblachadh 
an  uair  a  luidheas  a'  ghrian  agus  a  chiaras  am 
feasgar)  tha  an  leabhar  naomh  ag  innseadh 
dhuinn  gu'm  facas  ainglean  le  daoine  maith  air 
aird  a'  mheadhoin-la." 

"  Leigibh  as  mi,"  arsa  Manus  (dh'  innis  mi 


cheana  dhuibh  gu'n  do  thog  i  air  a  gliiin  e) 
"  tha  mi  dol  a  mach  feuch  am  faic  mi  aingeal." 
Dean  sin,  ma  ta,"  ars'  a  mhathair,  "  theid 
mi  fhein  comhla  riut  an  earalas  gum  bi  thu 
sgith  le  d'  thurus.  Cha  mhaith  an  rud  balach 
beag  a  bhi  sgith  's  gun  a  mhathair  dluth  'ga 
chur  a  chadal." 

"  Chan  'eil  mise  beag,"  arsa  Manus,  "  tha 
mi  cho  mhor  ris  a'  chuibhil  (thionndaidh  e  'ga 
thomhas  fhein  ri  roth  na  cuibhle,  a'  seasamh 
air  a  chorra  biod),  an  ath-bhliadhna  bidh  mi 
cho  mhor  ri  m'  athair,  agus  tha  briogais  orm." 

"  Bithidh,  a  luaidh,  bithidh,"  ars'  a  mhathair  ; 
"  bidh  tu  cho  mhor  ri  t-athair  fhathast,  ach  gu 
ma  fada  bhuainn  an  latha  sin,  oir  caillidh  mise 
mo  chagaran  gaolach  lurach." 

Dh'fhalbh  iad  a  mach  agus  ghabhiadromhpa. 
Ciod  an  latha  a  bha  ann  ach  latha-cluich  nan 
AdhoUach  !  Bha  an  rathad-mor  dubh  agus 
geal  le  fir  agus  mnathan,  dubh  leis  na  fir  agus 
geal  leis  na  mnathan,  agus  iad  a'  briichdadh 
mar  na  seangain  gu  pairc  an  Diuc.  Obh,  obh  ; 
an  othail  's  an  uinich  a  bha  air  an  rathad  eadar 
Blar  is  Cille-chragaidh,  eadar  Ceann-na-coille 
is  Sriithan  !  Bha  guanagan  ann  a  Baile- 
chloichridh,  ann  an  gimaichean  tana  geala, 
agus  de  airgiod  's  de  iarunn  an  crochadh 
riutha  na  dheanadh  fortan  ceaird.  Shuidh 
Manus  agus  a  mhathair  air  tolman  aig  taobh 
an  rathaid  gus  an  rachadh  an  sgaoth  seachad. 
Sheas  siiilean  a'  bhrogaich  'na  cheann  ag 
amharc  air  riomhadh  nan  caileagan  ;  an  uair 
a  chitheadh  e  gogaid  iollagach  a  bu  chaoile 
pearsa  agus  a  bu  ghile  eideadh  na  each,  thionn- 
dadh  e  ri  mhathair  agus  dh'  abradh  e  "  An  e 
aingeal  a  tha  innte  sin,  a  mhathair." 

"  Chan  e  gu  dearbh,"  theireadh  a  mhathair, 
"  no  rud  coltach  rithe,  chan  'eil  innte  ach  gorag 
fhaoin  a  Obar-pheallaidh." 

Mu  dheireadh  chaidh  an  sgaoth  uile  seachad  ; 
dh'  eirich  Manus  agus  a  mhathair  agus  lean 
iad  orra  air  an  rathad.  Bha  ionghnadh  air  a' 
bhalach  nach  robh  aingeal  am  measg  nan 
creutairean  geala  a  chunnaic  e,  agus  thuirt  e 
ri  mhathair,  "  Am  bi  Dia  a'  toirt  latha  dhaibh 
fein  do  na  h-ainglean  a  dhol  a  shealltainn  air 
a'  chluich  anns  a  phairc  ?  " 


AINGEAL  AIG  TAOBH  AN  TEALLAICH— CAIRDEAN  PHOTL 


5 


Binn  a  mhathair  gaire  beag  rithe  fhein  (a' 
^muaineachadh  'na  cridhe  gu  robh  iomadh  rud 
a  b'  fhearr  leis  na  h-ainglean  na  bhi  sealltainn 
air  giomanaich  an  Diuc  a'  dannsadh).  Ach  is 
e  a  thubhairt  i  ri  Manus,  "  Chan  'eil  feum  aig 
na  h-ainglean,  a  ghaoil,  air  latha  dhaibh  fein 
oir  cha  luidh  aois  no  sgiths  orra  ;  is  e  am  biadh 
agus  an  deoch  a  bhi  deanamh  gun  sgur  toil 
Dhe  agus  obair  na  h-iochd.  Tha  iad  cho  trang 
a'  leigheas  leon  is  cradh  an  t-saoghail  's  nach 
'eil  iiine  aca  dol  am  measg  gleadhraich  is  aighear 
phiobairean." 

Bha  Manus  a'  cnuasachadh  'na  inntinn 
bhig  fhein  air  na  thuirt  a  mhathair,  agus 
is  e  an  codhunadh  a  thainig  e  thuige  nach 
tigeadh  na  h-ainglean  a  nuas  o  neamh  gus 
am  biodh  tiodhlacadh  air  chor-eigin  anns  a' 
chladh. 

Ruith  e  air  thoiseach  air  a  mhathair,  an  drasd 
a'  leumartaich  air  an  rathad,  a  ris  a'  bualadh 
a  bhas  ris  na  h-uiseagan  a  bha  ri  ceilearadh  os 
a  chionn,  agus  uair  eile  a'  buain  nan  ditheanan 
boidheach  a  bha  fas  air  bruachan  an  rathaid. 
Ach  mu  dheireadh  leig  e  glag  'na  shineadh  air 
an  talamh  agus  thuirt  e  ri  mhathair,  "  Tha 
ghrian  a'  gortachadh  mo  chinn  agus  tha  mi 
sgith,  an  giiilain  sibh  dhachaidh  mi  ?  " 

"  Gitilainidh,  a  ghaoil,  giiilainidh  ;  "  ars'  a 
mhathair,  is  ann  air  son  sin  a  dheanamh  a 
thainig  mi  comhla  riut."  Nach  saoil  sibh,  a 
chlann,  nach  ann  innte  a  bha  na  trathtan  !  Bha 
e  'na  beachd  fad  na  h-iiine  a  balach  beag  a 
ghiiilan  dhachaidh  ged  a  chiim  i  sin  aice  fein, 
air  eagal  dorran  a  ehuir  air  (agus  e  cho  mhor),  an 
am  dhaibh  an  tigh  fhagail.  O  !  chuideachd, 
tha  mathraichean  cho  Ian  de  thrathtan  beaga, 
laghach,  's  a  tha  an  t-ugh  de  bhiadh. 

Chuir  a  mhathair  Manus  air  a  muin  ;  theann- 
aich  esan  a  lamhan  beaga  mu  h-amhaich  agus 
chaidh  iad  dhachaidh. 

Sin  na  thachair  an  latha  sin. 

Am  maireach  bha  i  a'  nigheadaireachd. 
Bha  Manus  'na  sheasamh  laimh  ris  an  tuba,  a' 
sealltuinn  gu  durachdach  air  gairdeanan 
riiisgte    a    mhathar.      "  Car    son,"    ars'    esan, 


"  a  tha  'ur  gairdeanan  cho  grannda."  (Cha  do 
chuimhnich  mi  innseadh  dhuibh  roimhe  so  gu 
robh  lamhan  a  mhathar  uamhasach  grannda  ; 
dearg,  agus  preasach,  agus  Ian  athailtean). 
"  Tha  gaol  agam,"  ars'  esan,  "  air  'ur  ceann, 
agus  air  'ur  siiilean,  agus  air  'ur  fait,  agus  air 
a  h-uile  crioman  dibh,  ach  chan  'eil  gaol  agam 
air  'ur  lavihan." 

An  sin  thog  a  mhathair  Manus  gu  caomhail 
air  a  gliiin,  agus  ann  an  guth  iosal  (cha  mhor 
nach  robh  e  cho  iosal  ri  cagar)  dh'  innis  i  dha 
car  son  a  bha  a  lamhan  cho  grannda.  Dh' 
innis  i  dha  gu'n  deachaidh  an  tigh  air  theine 
an  uair  a  bha  esan  'na  leanabh,  gu'n  do  shaoil 
a  h-uile  duine  eile  nach  gabhadh  e  ruighinn  air 
anns  an  t-seomar  anns  an  robh  e,  ach  gu'n  do 
leum  i  fhein  troimh  na  lasraichean  's  troimh 
'n  toit  'ga  ionnsuidh.  Bha  mo  lamhan-sa  gle 
mhin  agus  gle  gheal  uair-eigin,  ged  a  dh'  fhag 
an  losgadh  ud  grannda  iad  ;  ach  is  beag  agam 
sin  oir  shabhail  mi  mo  chuilean  boidheachd. 
Agus  phog  i  e  tri  uairean. 

Shil  Manus  bochd  na  deoir  ;  chuir  e  a  dha 
laimh  mu  amhaich  a  mhathair,  ag  radh  rithe, 
"  Tha  gaol  agam  air  'ur  ceann,  a  mhathair,  agus 
air  'ur  siiilean,  agus  air  'ur  fait,  agus  air  a  h-uile 
crioman  dibh,  ach  tha  tri  is  seachd  is  fichead 
gaol  agam  a  nis  air  'ur  lamhan.  Tha  iad 
boidheach  lurach,  cho  min  ris  an  t-sioda  's  cho 
geaJ  ris  aa  t-s-ftesftehdii-'-  ••   • 

Fad  an  latha  sin  bha  Manus  na  bu  shanihaiche 
na  b'  abhaist  dha  (thainig  coig  preasan  'na 
mhala  a'  smuaineachadh  air  nithean  domhain 
'na  inntinn  fhein),  ach  anns  an  fheasgar  thuirt 
e  as  a  ghuth  tamh,  "  Nach  bu  ghorach  mise,  a 
mhathair,  a'  dol  air  astar  an  de  feuch  am  faicinn 
aingeal,  agus  fad  na  h-iiine  aingeal  anns  an 
tigh  againn  fhein  ! 

"  Aingeal  anns  an  tigh  againn  fhein  !  "  ars' 
ise,  "  c'  aite  a  bheil  i  no  co  i  ?  " 

"  O,  a  mhathair,"  arsa  Manus,  "  nach  sibh 
nach  tuig  dad  !     Tha,  sibhse." 

Chord  so  gu  gasda  ri  mhathair  (rinn  i  gaire 
beag  toilichte  'na  cridhe),  ach  is  e  thubhairt  i, 

Uist,  a  ghaoil,  co  riamh  a  chunnaic  aingeal 
agus  aparan  drogaid  oirre  ?  " 


Cairdean  Phoil 


TiCHICUS 


THA  an  creideamh  Criosduidh  a'  cur  nan 
uile  air  an  aon  ruith,  ach  a  mhain  ann  an 
nithibh  spioradail  is  beusach.  Chan  'eil  teagamh 
nach  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  na  h-urad  de 
dhaoine  bochda  air  an  ainmeachadh  'san 
Tiomnadh  Nuadh.  'N  am  measg  sin  bha  Tichi- 
cus.  lonmholta  's  mar  a  bha  e  cha  do  dh'eirich 
e  OS  cionn  a  bhi  'n  a  ghille  litrichean.  Air  son 
aobhar  no  dha  bha  an  obair  sin  urraniach'san 


latha  bh'ann,  direach  mar  a  tha  i  an  diugh. 
B'ann  ainnimh  a  gheibheadh  duine  litir,  's  chan 
fhaigheadh  e  i  an  comhnaidh  gun  chunnart  do'n 
ghille-litrichean.  Tha  cuimhne  aig  an  sgriobha- 
dair  a  bhi  samhradh  an  eilean  Rhuim.  Cha 
robh  litrichean  a'  tighinn  ach  an  ceann  nan  sia 
seachduinean,  na'n  tigeadh  iad  an  uair  sin  fhein. 
Nam  b'ann  air  an  oidhche  a  thigeadh  am  bata- 
smiiide  bhiodh  aireamh  nach  rachadh  a  laighe. 


6 


CAIRDEAN  PHOIL 


Thug  ar  fein-fhiosrachadh  dhachaidh  oirnn 
seadh  nam  briathran  :  Mar  iiisgeachan  fuara 
do'n  anam  thartmhor  the  deagh  sgeul  a  tir 
chein.  Faodar  a  bhi  cinnteach  gun  robh  meas 
againn  air  tapadh  an  fheadhainn  air  nach  robh 
eaga]  an  aghaidh  a  chur  air  oidhchean  dorcha 
agus  tonnaibh  mora  a  chum  's  gum  faighemid 
sgeula  o  ar  cairdean,  agus  iadsan  uainne. 

Sin  ma  ta  mar  a  bha  Tichicus  cho  feumai]  do 
Phol,  'n  a  phriosonach  's  mar  a  bha  e  a  nis  'san 
Roimh.  Bha  cridhe  Phoil  am  measg  nan 
eaglaisean  cho  mor  's  a  bha  e  I'iamh,  ach  cha 
b'urrainn  e  nis  ruigheachd  oi'ra,  ach  b'urrainn 
Tichicus  ;  agus  doirbha  's  mar  a  bha  e,  gu 
suilbhir  rinn  e  e.  Sniuainich  air  na  h-astaran 
fada  a  bha  roimhe  :  Ephesus,  Colosse,  Crete, 
an  comhnaidh  a'  siubhal,  'san  comhnaidh  an 
cunnart,  cosmhail  ri  gille-htrichean,  a  b'aithne 
do'n  sgriobhadair  'n  a  oige  :  Chan  fhalbhadh 
leis  na  htrichean  gun  bata  mor  'n  a  laimh  anns 
an  robh  biodag  am  folach.  Tuigidh  sinn  uaithe 
sin  na  bha  aig  Tichicus  ri  choinneachadh  am 
measg  gharbh-chriochan  na  h-Asia.  Gun  tea- 
gamh,  bhiodh  a  bheag  no  mhor  ann  a  ghabhadh 
gu  cairdeil  ris  agus  a  chuireadh  thairis  e  air  na 
h-aitibh  bu  chunnartaiche,  coltach  ri  fear-eolais 
do'n  sgriobhaiche.  Cha  dealaicheadh  e  ris  gus 
an  cuireadh  e  seachad  e  air  aite  araidh.  B'e 
an  oidhche  a  bh'ann  agus  aig  am  anns  an  robh 
na  feidh  cunnartach.  'San  dealachadh  thug  e 
sgian  a  mach  as  a  phoca.  "  Gabh  sin,"  ars' 
esan,  "  's  ma  bheir  fiadh  ionnsaigh  ort  cuimsich 
air  a  shiiiiean."  Ach  cha  b'e  feidh  a  bha  aig 
Tichicus  ri  choinneachadh  ach  fiadh-bheathai- 
chean  agus  fiadh-dhaoine,  gus  mu  dheireadh 
am  faoidte  a  radh  mu  thimchioll  mar  a  thuirt 
Pol  mu  thimchioll  fhein  "  an  turusaibh  gu  minic, 
an  gabhadh  aimhnichean,  an  cunnartaibh  luchd- 
reubainn  ...  an  ocras  is  tart  .  .  .  am  fuachd  'san 
loninochduidh. 

Tha  sin  fhein  ag  innse  dhuinn  an  fhailte 
bhiodh  a  feithimh  air  Tichicus  o  Phol,  ciod  e 
cho  diirachdach  's  a  dh'eisdeadh  e  ris  na  bhiodh 
aige  ri  innse  mu  na  h-eaglaisean  air  an  do  thadh- 
ail  e,  agus  ciamar  a  chuireadh  iad  an  comhairle 
ri  aon  a  cheile  air  son  an  tuilleadh  cuideachaidh 
a  dheanamh  leo.  Bhiodh  sin  'n  a  chuideachadh 
do  Phol  fein  agus  do  Thichicus  ;  chuireadh  e 
seachad  an  iiine  dhaibh  ann  an  suidheachadh 
nach  b'urrainn  a  bhi  ach  an-shocrach  dhaibh 
taobh  air  thaobh. 

Chithear  mar  sin  nach  b'e  mhain  gun  robh 
Tichicus  feumail  do  Phol  ;  bha  e  feumail 
cuideachd  do  na  h-eaglaisean,  bha  deidh  mhor 
aca  chluinntinn  ciamar  a  bha  dol  do  Phol  agus  do 
a  sheachd  companaich  's  a'  phrioson.  An  robh 
e  f  hathast  beo  ?  An  robh  dochas  sam  bith  gum 
faigheadh  e  saor.  Bha  curam  nam  Philipianach 
gu  h-araidh  sonraichte.  A  ris  agus  a  ris  thionail 
iad  air  a  shon.  ,  Cha  robh  fhios  aca  ciamar  a 
chuireadh    iad    da    ionnsaigh    an    tional    mu 


dheireadh.  Ach  a  nis,  so  Tichicus  air  tighinn 
as  an  Roimh.  Chroidh  cairdean  Phoil  mu  thim- 
chioll. "  Ciamar  a  dh'fhag  thu  Pol  ?  Bha  sin 
'n  a  cheisd  chudthromach  dhaibhsan  do'n  innis  e 
nach  faiceadh  iad  a  ghnuis  nis  mo.  Feumaidh 
uime  sin  gun  robh  e  'n  a  fhaochadh  dhaibh  a 
chluinntinn  gun  robh  e  air  a  chaomhnadh, 
teagmhach  's  mar  a  bha  ciiisean  d'a  thaobh. 
Theireadh  aon  "  Cha  diochuimhnich  mi  gu 
brath  na  turusan  a  chaidh  nii  thar  a'  mhonadh 
leis  air  an  t-slighe  a  dh 'ionnsaigh  an  "  aite- 
aoraidh."  Agus  fear  eile  :  "  n  oidhche 
chuireadh  e  seachad  comhla  ruinn  cha  bhiodh 
na  bu  shona  's  a'  bhliadhna."  Bha  sin  uile 
maith.  Ach  bha  na  b'fhearr  ann  na  sin  :  bha 
Tichicus  a'  giulan  air  a  phearsa  briathran  na 
beatha  maireannaich  :  litrichean  an  Abstoil 
Pol  chum  nan  Ephesianach,  a  chum  nan  Phili- 
pianach agus  a  chum  Philemon.  Chan  'eil  sinn 
ag  radh  gun  do  ghiulan  e  iad  aig  an  aon  am, 
ach  ghiulan  e  iad.  Am  faireachadh  a  bhios 
againn  fhein  an  uair  a  thig  gille  nan  litrichean 
d'ar  n-ionnsaigh  le  naigheachd  chudthromach, 
cha  robh  iadsan  aineolach  air. 

Bha  sin  gu  maith  fhad  's  a  chaidh  e  ach 
bha  na  b'fhearr  na  eadhon  sin  ann.  Leugh  is 
mhinich  Tichicus  nan  litrichean  do'n  t-slaugh. 
Bithidh  sinne  cuideachd  'g  an  leughadh  agus 
'g  an  cluinntinn  air  am  mineachadh,  ach  bha  sinn 
cho  eolach  orra  agus  nach  urrainn  faireachadh 
ceudna  bhi  againn  agus  tha  acasan  a  leughas 
iad  air  son  na  ceud  uaire.  Faodaidh  sinn- 
eadhon  fhaighneachd  air  son  na  ceud  uaire  an 
robh  fhios  aig  Tichicus  fhein  air  luach  nan 
litrichrean  a  bha  e  a'  giulan.  An  d'thainig  e 
a  stigh  air  gum  iad  an  dileab  bu  luachmhora  a 
bh'aig  an  eaglais  agus  gun  robh  la  a'  tighinn 
anns  an  deanadh  iad  suas  an  cuibhrionn  fhein 
do'n  Tiomnadh  Nuadh  ? 

Mar  a  tha  aon  ag  radh  :  Thog  Tichicus  na 
b'fhearr  na  bha  e  smuaineachadh.  Ghiulan  e 
litir  cha  robh  fhios  aige  gun  robh  e  a'giulan  cuibh- 
rionn de  fhocal  Dhe."  Aon  uair  eile  agus  chi 
sinn  mar  a  bha  Tichicus  'n  a  eadar-mheadhonar 
eadar  Pol  agus  na  h-eaglaisean,  gun  robh  e 
cuideachd  mar  sin  eadar  eaglais  is  eaglais. 
Bha  sin  na  sheirbhis  cho  luachmhor  agus  nan 
robh  i  air  a  deanamh  airson  impireachd  na 
roimhe  choisneadh  i  onoir  o'n  Impire  mar  neach 
a  bha  feumail  do'n  Impireachd. 

1 .  Tha  sin,  ma  ta,  a'  teagasg  dhuinn  ni  no  dha 
as  coir  dhuinn  a  thoirt  fonear  :  An  t-seirbhis 
as  diblidh  a  tha  duine  deanamh  air  son  Chriosd 
— tha  i  luachmhor  'n  a  shealladh. 

2.  Tha  seirbhis  ann  a  dh'fhaodas  an  oigridh 
a  dheanamh  nach  urrainn  an  t-aosmhor  a 
dheanamn. 

3.  Chan  'eil  ni  sam  bith  cumanta  a  tha  air  a 
dheanamh  do  Chriosd.      Pol  anns  an  Roimh, 


SALM  XXIII— NA  cum  DIA  FO  FHIACHAN 


is  e  a'  sgriobhadh  a  litrichean  ;  Tichicus 
]e  stiir  an  rothaid  air  a  pheai-sa  :  cha  robh 
;ui  obair  co-ionnan  ach  bha  an  toradh  co- 
ionnan — coltach  ri  dathan  na  greine.  Tha  iad 
■-eachd  ann  an  airimh,  ach  co-ionnan  'n  an 
loradh. 


4.  Chan  'eil  ni  sani  bith  a  tha  air  a  dheanamh 
do  Chriosd  is  urrainn  tighinn  gu  neo-ni. 

Mairidh  trocair  Dhe  gu  sior 
Do'n  dream  d'an  eagal  e 
Is  t'os  do  chlolnn  an  cloinnesan, 
Bithidh  fhireantachd  gach  re. 


Salm    XXIII 

(An  Tomhais  Fhada) 


IEHOBHAH,  's  e  as  Buachaill  dhomh, 
Mar  sin  cha  bhi  mi  ann  an  dith  ; 
Air  cluainibh  glas  a  shaoibhris  fein, 
Bheir  orni  gu  laigh  mi  sios  an  sith. 

'G  am  threorachadh  gu  socrach  caomh, 
A  mach  i-i  taobh  uisgeachan  fois  ; 

Is  'nuair  theid  m'anam  bochd  air  chall, 
Air  ball  'g  a  siseag  dhomh  air  ais. 

Air  roidibh  slainteil  fhireantachd, 
Gu  direach  stiuiridh  e  mo  cheum  ; 

Laithireachd  naomh  'g  am  chuairteachadh, 
Gach  uair  air  sgath  dheagh  ainme  fein. 

Seadh  eadhon,  ged  a  shiubhlainn  fann 
Tre  ghleann  a'  bhais  fo  sgailean  dorch  ; 


Mo  chridh'  o  eagal  uilc  bith  saor — 
Mo  bhuachaill  gaoil  tha  fasgadh  orm, 

Tha  thusa  leam  a  ghnath  'nam  fheum 
Do  lorg  's  do  bhat  am  eiginn  mhoir  ; 

Tha.  fuasgladh  orm  gus  'm  bris  an  la, 

'S  an  teich  gach  sgail  's  an  triall  gach  bron. 

Thug  orm  gun  d'shuigh  mi  sios  aig  bord 
Dh'uUaich  thu  dhomh  fa  chomhr  mo  namh  ; 

Le  oladh  aoibhnis  dh'ung  mo  cheann  : — 
Mo  chopan  tha  cur  thairis  Ian. 

Maitheas  is  trocair  air  mo  lorg, 

'G  am  thearbadh  o  gach  cron  is  lochd  : 

'San  tigh  lehobhah  gheibh  mi  tamh, 
Fad  laithean  buan  nan  linn  ri  teachd. 

McI. 


Na  cuir  Dia  fo  fhiachan 


NA  cuir  e  fo  fhiachan  a  bharrachd  air  saorsa 
a  thoile  fein  innse  dhuit  roimh  laimh,  ciod  a 
bhios  e  dhuit,  no  ciod  a  ni  e  air  do  shon,  ann  an 
cas  air  bith.  Bidh  e  moran  na's  fhearr  dhuit 
leigeil  le  Dia  a  dhoigh  fhein  a  ghabhail  riut. 
Is  gle  chaomh  leis  an  doigh  ris  an  canar  solvitur 
ambtdmido  a  ghabhail  ri  ar  leithid-ne. 

Bha  agam  ri  beagan  airgid  a  thoirt  do'nbhean- 
tighe  agam  an  mhadainn  ud.  An  uair  nach  biodh 
airgiod  agam  bheii-inn  dhi  ordugh  air  a'  bhanc, 
agus  seach  gur  h-ann  air  paipeir  bu  leis  a'  bhanc 
fhein  a  bhiodh  e  agam  cha  do  ghabh  i  amharus 
riamh  nach  robh  e  cho  maith  ris  an  or.  Ach 
a'  mhadainn  ud  cha  robh  sgath  agam  de  phaipeir 
Banc.  Is  e  i-inn  mi  ghabh  mi  taobh  paipear 
litreach  agus  sgriobh  mi  ordugh  air  a'  bhanc 
an  t-suim  bu  mhiann  leam  a  thoirt  do'n  bhean- 
tighe  agam  air  a  h-ainm.  Chuir  mi  stamp  da 
sgilling  air  aodann,  agus  m'ainm  fhein  air  am 
muin.  "  So,"  arsa  mise,  "  thoir  am  banc  ort  leis 
an  sin  agus  bheir  iad  bhuit  do  chuid  airgid." 
"  Leis  an  so,"  ars  ise  !  "  Cha  ghabhainn  dona 
idir  uaibh  e  ged  a  b'ann  a'  tarruing  asam  a 
bhiodh  sibh  ;  ach  an  ann  dha-rkibh  a  tha  sibh  ?  " 
"  Falbh  thusa,"  arsa  mise,  '•'  's  na  leig  cail  ort 
seach  mar  a  b'abhais.  Cuir  an  t-6rdugh  so  fo 
shroin  an  duin  uasail  mar  as  abhais  dhuit." 
An  uair  a  thainiff  i  air  ais  thuirt  i  rium  :  "  Cha 


do  chuir  mise,  ars  ise,  sian  a  dh'umhail  air  a' 
ghille  choir.  Thilg  e  am  paipeir  a  thug  sibh 
dhomh  air  sgeilp  a  bha  air  a  chlilaibh  far  an 
robh  moran  dhe  'n  t-seorsa  a  b'abhais  dhuibh 
a  bhi  toirt,  agus  thug  e  as  a'  phasgan  a  bha  ri 
laimh  dhomh  an  dearbh  aireamh  a  dh'iarr 
sibh  air."  "  Am  faic  sibh,"  ars  ise,  "  am  paipeir 
ud  tuille  ?  "  "  Chi,"  arsa  mise.  "  Ma  chi,"  ars 
ise,  "  b'aill  leam  na  rud  sam  bith  gun  tugadh 
sibh  dhomh  fhein  e.  Ni  mise  sin,  ach  cuimhnich 
gun  d'thug  sibh  as  na  bh'ann  an  uair  a  fhuair 
sibh  e.  Tha  fhios  maith  agam  air  an  sin,  ach 
is  i  a  dh'fhosgail  mo  shuilean  air  ciod  a  tha  cur 
luach  ann  an  cheque.  Ach  c'ar  son  a  dh'innis 
sibh  an  sgeula  ?  Dh'innis  gus  an  tuigeadh 
feadhainn  nach  leig  a  leas  a  bhi  fhaighneachd 
ciod  as  ciall  do'n  da  fhacal  ud  :  solvitur  ambti- 
lando. 

Is  e  so  an  doigh  a  ghabh  Dia  ri  Caleb  agus 
losua.  Is  e  so  an  doigh  air  an  d'fhuair  losua 
a  mach,  agus  Caleb  comhla  ris,  c6  ann  a  bha  fior 
neart  a'  chreidmhich  air  fhaotainn.  Cha  ruig 
sinn  a  leas  eagal  a  bhi  oirnn  nach  bi  Dia  cho 
maith  ri  ghealladh.  Bidh  Dia  an  ni  a  gheall  e. 
Thuirt  Dia  gum  biodh  e  an  ni  a  bhiodh  e. 
Faip'hnich  a  dh'oidhche  na  Case;,  de'n  Mhuir 
ruadh,  de'n  charraig,  de'n  Mhana,  de  Chalbh- 
ari,  de'n  uaigh  fhalamh.  C.  M. 


LAOIDH— MO  CHURACHAN 


Laoidh 

[Air  fomi  "  An  geamhradh  ") 


THA  latha  na  h-6ige, 
Gach  momaint  dol  seachad  : 
'S  cha  do  dh'fharrad  mi-dhoigheil, 
Max'  bu  choir  dhomh  a  caitheamh. 
'Sann  a  bha  mi  gu  strothail. 
Mu'n  a  storas  a  bh'agam  ; 
'S  tha  mi  n  diugh  gun  an  comhdach 
Tha  aig  oglaich  tigh  m'athar. 

Tha  a'  choguis  air  a  diisgadh 

'S  fhad  an  iiine  o'n  laigh  i  ; 

'S  i  toirt  peacaidhean  aosda, 

Cho  iir  'n  a  mo  shealladh  ; 

'S  e  dh'fhag  mi  cho  ciurrte, 

A'  chaoile  th'air  m'anam, 

'S  nach  d'fhuair  am  fear-saoraidh, 

Madainn  dhriichdmhor  mo  bheatha 

'S  e  madainn  na  h-oige, 
Tha  lehobhah  ag  iarraidh  ; 
'S  e  chuireas  air  sheol  i, 
Chuireas  gloir  air  an  Trianaid. 
Bidh  do  thigh  ann  an  ordugh, 
'S  Righ  na  gloire  'g  a  riaghladh  ; 
'S  bidh  do  bheatha  mar  lochran, 
A  bheir  treorach'  do  chiadan. 


O  !  gum  briseadh  an  fhaire, 
O'n  an  ard  air  mo  chomhnaidh  ; 
'S  gum  faicinn  an  aileachd, 
Th'ann  an  ard-righ  na  gloire  ; 

'S  gum  faighinn  fo  sgaile. 
Far  'eil  plasda  do'n  lointich  ; 

'S  mar  an  ros  sin  o  Sharon, 
Bhiodh  an  fhasach  so  dhomhsa. 

Anns  an  fhasach  tha  tobair, 

Ge  b'e  thogras  tighinn  dliith  dhi  ; 

'So  !  anam  tha  tartmhor, 

Nach  rach  thu  da  h-ionnsaidh  ; 

Sud  an  t'aite  'sam  faigh, 

Do  ghlanadh  is  d'ionnlaid  ; 

Na's  gile  na  sneachda, 

'S  e'n  asgaidh  do'n  t-saoghal. 

Do  pheacaidhean  graineil, 

Mar  scarled  is  corcur  ; 

Cha  tig  iad  'na  lathair 

'S  bheir  E  gras  gu  ro-phailt  dhuit  ; 

'S  na  nithean  bha  gradhaicht' 

Chan  aill  leat  an  altrum  ; 

Anns  an  fhearann  bha  fasaicht' 

'Sann  a  dh'fhasas  am  miortal. 

RUAIRIDH    MacFhIONGHAIN. 


Mo  Churachan 

No,   1237  in  the  Petrie-Stanford  Collection 


t,r 
An 

m 
tog 

1, 
mi 

l,t, 

JT>>"> 

d 

chur 

r 
-    ach  - 

m.f 
an 

m 
ciar 

l,d 

t, 

1, 

s,l,  t, 

r 

t, 

s,l, 

s 

Air 

broill 

-  each 

hath 

a' 

chuain 

as 

aiir  > 

t,r 
An 

m 
rach 

1, 
-    ans' 

l,t, 
a 

d 

righ 

r 

ghil 

m.f 
nan 

m 
sjjeur 

l,d 

As 

t 
no 

1, 
cheann 

s.l, 
fein 

t, 
gun 

1, 
eis 

1, 
air 

1, 
sal : 

m.f 
Co 

s 
dhiubh 

1 

is 

smr 
leath 

d 

-     an 

i 

s 
no 

1 
caol 

td'  1 
Is 

s 
sgib 

1 
-  eadh 

11  r 
laocli 

dt, 
raidh 

l,t, 
air 

rt, 
a 

s, 
clar 

t,T 

An 

m 
dean 

1, 
thu 

l,t, 
comh 

d 
-    nadh 

r 
lean 

m.f 
a 

m 
Dhe 

l,d 

t, 

1, 

s,l, 

t 

1, 

1, 

1, 

Smi 

teachd 

air 

namh 

-      la 

ghorm 

is 

baitht'  r 

"The  hymn  of  King  Cormac  is  a  mere  fragment  quoted  as  a  specimen  of  metre  in  a  short 
disquisition  "on  the  poetic  art  contained  in  the  Book  of  Leinster.  The  Irish  text  is  printed  in 
O'Curry's  Manners  and  Customs  of  the  Ancient  Irish,  vol.  iii.  p.  388." 

Pkof.  R.  a.  S.  MacAlister. 


Air 


12 


93 


o 


La  NoUaige  Moire 


"  Rugadh  clhuibh  an  diugh,  ann  am  haile  Bhaibhidh,  Slanuighear,  as  e  Criosdan  Tighearna." — Lucas  ii.  11. 


SO  an  la  air  a  bheil  an  eaglais  Chriosduidh 
air  feadh  an  t-saoghail  uile  a'  cumail  cuimhne 
air  teachd  an  leinibh  naoimh,  an  leanabh  uasal 
a  bha  air  a  bhreith  ann  an  staid  iosal  am  Betle- 
hem  ;  agus  a  h-uile  bliadhna,  an  uair  a  thig  an 
la  mu'n  cuairt,  bu  choir  gu'm  biodh  aoibhneas 
'n  ar  cridhe  agus  ceol  'n  ar  beul.  Na'n  robh  a' 
choir  air  a  cumail,  bu  choir  do'n  t-sosigeul  a  bhi 
air  a  sheinn  an  aite  a  bhi  air  a  labhairt  ann  an 
cainnt  fhuar,  oir  ciod  a  tha  anns  an  t-soisgeul 
ach  sgeul  aoibhneach  ;  sgeul  cho  iongantach 
agus  cho  aoibhneach  's  gur  diith  do  gach  neach 
a  chluinneas  e  Hosanna  a  ghlaodhach. 

Anns  na  seann  laithean,  an  uair  a  bha  an 
crabhadh  agus  an  diadhaidheachd  na  bu  shim- 
plidhe  agus  na  bu  bhlaithe  na  tha  iad  an  diugh, 
bhiodh  ar  n-aithrichean  a'  failteachadh  na 
Nollaige,  agus  a'  failteachadh  a  cheile,  le  duain 
Nollaige. 

An  nochd  oidhche  Nollaige  m6ire, 

Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 

Rugadh  mac  na  Moir  Oighe, 

Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 

Rainig  a  bhonnaibh  an  lar, 

Mac  nam  buadh  a  nuas  o'n  aird, 

Dhealraich  neamh  is  cruinne  dha, 
Ho  !   ro  !   biodh  aoibh  ! 

Shoillsich  frith  dha,  shoillsich  fonn  dha, 

Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 

Nuall  nan  tonn  le  fonn  nan  tragh 

Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 

Ag  innseadh  dhuinn  gu'n  d'  rugadh  Criosd 

Mac  Righ  nan  Righ  a  tir  na  slaint, 

Shoillsich  grian  nam  beannaibh  ard  dha, 
Ho  !   ro  !   biodh  aoibh  ! 

Rugadh  dhuihh  an  diugh,  ann  am  haile  Dhaibh- 
idh,  Slanuighear,  as  e  Criosd  an  Tighearna.  Sin 
deagh  sgeul  na  Nollaige,  sgeul  a  tha  cho  aoibh- 
neach agus  cho  iongantach 's  nach  'eil  ionghnadh 
ann  gu'n  do  sheinn  na  h-ainglean  oran  binn 
nach  cualas  a  leithid  air  thalamh  o  chruthach- 
adh  an  t-saoghail,  an  uair  a  sheinn  reulta  na 
maidne  cuideachd,  agus  a  rinn  uile  mhic  Dhe 
gairdeachas. 

Eisd  's  an  iarmailt  oran  binn — 
"  Gloir  gun  chrich  do  Righ  nan  Righ  ! 

Sith  air  thalamh  's  trocair  sheimh, 

Dia  is  daoine  reidh  ri  cheil ! 

Duisgibh  suas,  a  shloigh  gu  leir, 

'S  freagraibh  caithream-bhuaidh  nan  speur  ; 

Togadh  talamh  's  neamh  an  guth — 
"  Rugadh  losa  Criosd  an  diugh  !  " 

Eisd  's  an  iarmailt  oran  binn — 
"  Gloir  gun  chrich  do  Righ  nan  Righ." 

Tha  iomadh  rud  iongantach  anns  an  Tiom- 
nadh  Nuadh,  ach  is  e  an  rud  as  iongantaiche 


anns  an  Tiomnadh  Nuadh  uile  gu  leir,  gu  bheil 
an  rud  a  thachair  ann  am  Betlehem  an  oidhche 
ud  a  sheinn  na  h-ainglean  an  t-6ran  binn  air 
innseadh  anns  a'  cheart  leabhar  anns  a  bheil 
an  t-abstol  Eoin  ag  innseadh  dhuinn  mu'n  t- 
sealladh  a  chunnaic  e  ann  am  Patmos,  Criosd 
air  fhoillseachadh  dha  ann  an  oirdheirceas  a 
mhorachd  rioghail  agus  a.  ghloir  shiorruidh. 
Bha  cheann  agus  fhalt  geal  mar  olainn  ghil,  geal 
mar  shneachd  ;  agus  hha  a  shuilean  mar  lasair 
theine ;  agus  a  chasan  cosmhuil  ri  umha  loin- 
nireach  ;  agtis  a  ghuth  mar  thoirm  mhoran  uisge- 
achan.  Agus  hha  aige  'n  a  laimh  dheis  seachd 
reultan,  agus  a'  teachd  a  much  as  a  hheul  hha 
claidheamh  dafhaohhair  ;  agus  hha  a"  ghniiis  mar 
a'  ghrian  a'  dealrachadh  'n  a  neart.  Agus  an 
uair  a  chunnaic  mi  e  thuit  mi  aig  a  chasan  ann  an 
riochd  mairhh. 

Nach  mor  an  t-astar  a  tha  eadar  Betlehem 
agus  Patmos ;  eadar  an  leanabh  beag  a  chunnaic 
na  buachaillean  anns  a'  phrasaich  agus  an  Ti 
glormhor  a  chunnaic  an  diadhair  Eoin  ;  ach 
air  a  shon  sin  chan  e  d^  naigheachd  a  tha  Lucas 
agus  Eoin  ag  innseadh,  ach  an  aon  naigheachd  ; 
chan  e  da  neach  air  a  bheil  iad  a'  bruidhinn  ach 
aon  neach  agus  an  neach  ceudna,  an  neach  a 
bha  agus  a  tha  agus  a  bhitheas  'na  longantas 
gu  siorruidh,  a  chionn  gu'n  do  rinneadh  an 
Dia  mor  'n  a  leanabh  beag  ann,  a'  gabhail  air 
cl  ath  seirbhisich,  agus  air  a  dheanamh  ann  an 
coslas  dhaoine. 

Tha  an  diadhair  Eoin  ag  innseadh  dhuinn 
gu'n  do  thuit  e  ann  an  riochd  mairbh  an  uair  a 
dhearc  a  shiiilean  air  an  Ti  ghlormhor  a  chunnaic 
e  ann  am  Patmos,  ach  ged  tha  e  nadurra  gu 
leor  gu'n  cromadh  mac  an  duine  a  cheann  anns 
an  duslaich  an  lathair  an  De  shiorruidh  agus 
naoimh,  tha  mi  an  duil  nach  'eil  ann  an  sin  ach 
aon  taobh  de'n  ghnothuch,  agus  gur  toigh  le 
Dia  a  chlann  a  thighinn  am  fagus  da  le  earbsa 
agus  le  danachd  naomh.  Agus  bidh  e  air 
uairean  a'  bualadh  air  m'  inntinn,  gur  e  aon  de 
na  ruintean  a  bha  ann  an  cridhe  Dhe,  an  uair 
a  dh'  fhoillsich  e  e  feinair  mhodh  sonraichte 
ann  am  pearsa  agus  ann  an  nadur  leinibh,  7iach 
hiodh  eagal  no  uamhas  aig  daoine  roimhe,  agus 
nach  cuireadh  taisheanadh  na  diadhachd  crith  air 
amfebil.  Co  air  am  biodh  eagal  roimh  leanabh  ? 
As  eugmhais  gu'm  faic  daoine  nithean  son- 
raichte ann  an  cridhe  Dhe  agus  subhailcean 
sonraichte  ann  an  nadur  Dhe,  cha  bhi  Dia  cho 
maiseach  no  cho  ion-mhiannaichte  'n  an  siiilean 


2 


LA  NOLLAIGE  m6IRE 


's  gu'n  abair  iad,  "  Eirigh  mi  agus  theid  mi  a 
dh'  ionnsuidh  m'  athar."  An  uair  a  thoisicheas 
daoine  air  bith  agus  nadur  agus  riiintean  Dhe 
a  rannsachadh  tha  e  a'  tachairt  gle  thric  gu 
bheil  iad  a'  call  Dhe,  agus  a'  dorchachadh 
eolais  le  lionmhorachd  bhriathran  ;  tha  e  a' 
tachairt  gu  trie  gu  bheil  facail  de'n  t-seorsa  so 
mu  Dhia,  neo-chrwchnach,  is  uile-chumhackdach, 
is  uile-liirsinneach,  gun  atharrachadh  gun  sgaile 
tionndaidh,  cho  iomlan  'n  a  hhuadhan  agus  cho 
glbrmhor  'na  phearsa  's  gu  bheil  ainglean  agus 
ard-ainglean  a'  deanamh  aoraidh  dha  gun  sgur — 
tha  e  a'  tachairt  gu  trie  gu  bheil  briathran  mar 
sin  a'  cur  Dhe  cho  fada  air  falbh  bhuainn  's  nach 
'eil  faireachduinn  idir  againn  gu  bheil  e  dliith 
dhuinn,  no  gu'm  buin  sinn  dha,  no  gu  bheil 
esan  agus  sinne  anns  an  aon  saoghal. 

An  uair  a  thachras  sin  tha  an  t-am  againn 
dol  air  ar  n-ais  gu  Betlehem,  agus  duain  na 
Nollaige  a  sheinn  as  iir,  an  t-seann  sgeul  a  tha 
daonnan  iir,  gun  do  rugadh  dhuin?i  ann  am  baile 
Dhaibhidh,  Slanuighear,  as  e  Criosd  an  Tighearna. 
Sin  an  naigheachd  a  tha  cumail  aire  an  t- 
saoghail  air  so,  gu  bheil  Dia  dliith  do  dhaoine  ; 
nach  e  mhain  gu  bheil  e  air  neamh  ach  gu  bheil 
e  air  thalamh  ;  agus  gu  bheil  baigh  is  blaths  is 
faireachduinnean  daonnda  ann  an  cridhe  Dhe 
a  dh'  fhaodas  misneach  is  eai-bsa  is  danachd 
naomh  a  thoirt  dhuinn  'n  a  lathair.  An  uair 
a  sheasas  tu  ri  taobh  na  prasaich  anns  an  do 
rugadh  losa  cha  tuit  thu  ann  an  riochd  mairbh, 
ach  taisichidh  an  sealladh  sin  do  chridhe  cruaidh, 
agus  abraidh  tu  'n  ad  chridhe,  "  Feuch  tha  Dia 
anns  an  ionad  so,  agus  gun  f  hios  dhomh  air  ;  eiridh 
mi  agus  theid  mi  a  dh'  ionnsuidh  m'  athar." 

Tha  uachdaranachd  an  t-saoghail  an  diugh 
air  guaillean  an  leinibh  naoimh  a  rugadh  ann  an 


Betlehem,  agus  cha  tig  crioch  air  a  rioghachd  no 
uachdaranachd  gu  brath,  oir  tha  iad  air  an 
steidheachadh  air  feartan  as  cumhachdaiche 
na  neart  airm  ;  gradh,  is  naomhachd,  is  irios- 
lachd,  is  faighidinn  gun  cheann  gun  chrich. 
Tha  uachdaranachd  daonnan  a'  feitheamh  air 
air  an  neach  a  dh'  islicheas  e  fein,  agus  do 
bhrigh  gu'n  d'isKch  losa  a  bha  na  b'oirdheirce 
na  na  h-ainglean  e  fein,  agus  gu  robh  e  air  a 
dheanamh  ann  an  coslas  dhaoine,  a'  gabhail 
air  cruth  seirbhisich,  tha  e  nis  air  ardachadh 
OS  cionn  nan  uile,  agus  ainm  aige  os  cionn  gach 
uile  ainm. 

Is  aithne  dhuibh  gras  ar  Tighearna  losa  Criosd, 
ged  bha  e  saoibhir,  gidheadh,  air  ur  son-se,  gun 
robh  e  bochd,  a  chum  ire  bhochdainn-san  gum 
bitheadh  sibhse  saoibhir.  A  bheil  sgeul  eile 
air  an  t-saoghal  cho  iongantach  ri  bochdainn 
an  Tighearna  losa  Criosd  ?  iongantas  nan 
iongantasan  gu'm  biodh  Dealradh  Dhe,  agus 
Maise  nan  neamh,  agus  Righ  nan  naomh,  air 
a  dheanamh  bochd  air  ar  son-ne  ;  air  a  bhreith 
ann  am  prasaich  mar  nach  robh  ann  ach  urra- 
gun-iarraidh  ;  gun  chrim  aige  ach  an  criin 
droighinn  a  chuir  daoine  gu  magail  air  a  cheann, 
agus  eadhon  gun  uaigh  aige  air  a  cheann  mu 
dheireadh  ach  uaigh  a'  choigrich.  Sin  agaibh 
irioslachd  an  t-Slanuigheir  bheannaichte  ;  an 
irioslachd  leis  a  bheil  e  a'  briseadh  chridheachan 
cruaidh  nach  briseadh  breitheanas  no  buillean 
iiird. 

Ho  Righ  !     Ho  Righ  ! 
Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 
Rugadh  Mac  na  Moir  Oighe 
Beannaicht  e  !     Beannaicht  e  ! 
Beannaicht  an  Righ, 
Gu  suthainn  gu  sior 
Gach  linn  ecu  brath. 


Anns  a'  Chathair 


THA  mi  a'  sgriobhadh  so  air  feasgar  na 
Sabaid  agus  obair  an  la  seachad  ;  feasgar 
na  Sabaid  air  an  robh  sinn  a'  cuimhneachadh 
as  ur  air  na  gillean  a  bha  air  ani  marbhadh 
anns  a'  chogadh.  Tha  co-ainm  an  la  air  an 
do  sguir  an  cogadh  air  a  chur  gu  iomadh  seorsa 
feuma  le  maithean  na  diithcha  agus  leis  an 
eaglais  a  nis,  ach  saoilidh  mi  nach  'eil  rud  eile 
as  freagarraiche  do  mhinistear  a  dheanamh 
air  a  leithid  so  de  la  na  aire  dhaoine  a  shocruch- 
adh  air  teagasg  Chriosd  a  thaobh  cogaidh. 

Chan  'eil  e  furasda  inntinn  Chriosd  air  a' 
chilis  so  fhaotainn  a  mach  ;  cha  do  liubhair  e 
riamh  a  bheachd  air  a'  cheist,  co  dhiii  a  dh' 
fhaodas  rioghachd  an  claidheamh  a  ghabhail  gun 
pheacadh  no  nach  fhaod,  ach  air  a  shon  sin  tha 
mi  an  diiil  nach  urrainn  duine  air  bith  an  Tiom- 
nadh  Nuadh  a  leughadh  gu  ciiramach  gun  an 
smuain  a  dh'  eirigh  'n  a  chridhe,  gu  bheil  cogadh 
calg-dhireach  an  aghaidh  teagasg  Chriosd  agus 


calg-dhireach  an  aghaidh  nan  nithean  air  son 
a  bheil  a  rioghachd  a'  seasamh. 

B'e  sin  an  teagasg  a  thug  mise  do  mo  choimh- 
thional  fein  an  diugh,  ach  ged  nach  robh  dad 
sonraichte  'n  am  shearmon  a  b'  fhiach  a  chur 
sios  air  an  duilleig  so,  bha  aon  ni  ann  a  ghabh- 
adh  lethsgeul  a'  chorra,  crioman  nach  buineadh 
dhomh  fhein  idir,  iasad  a  fhuair  mi  o  Thomas 
Carlyle.  Tha  e  air  a  radh  nach  'eil  oigridh  na 
duthcha  a'  leughadh  leabhraichean  Charlyle 
an  diugh,  ach  mur  bheil,  is  mor  an  naire  agus 
is  mor  an  call  sin  dhaibh.  So  mar  tha  Carlyle 
a'  labhairt  mu  chogadh  anns  an  leabhar, 
Sartor  Resartus. 

"  Buail,'  ars'  esan,  "  an  tarrang  air  a  ceann, 
agus  innis  dhomh,  gun  dol  a  null  no  nail,  ciod 
is  ciall  do  chogadh  ?  Air  m'  fhiosrachadh  fein 
tha  mu  choig  ceud  duine  ann  an  Cille-sgumain, 
baile  beag  as  aithne  dhomh,  a'  saothrachadh 
air  son  an  loin.     Asda  sin  tha  deich  air  f  hichead 


ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


air  an  taghadh  a  chionn  gu  bheil  iad  fallan  is 
laidir,  agus  air  an  toirt  mar  uain  chum  a'  chas- 
graidh.  Air  a  cosdus  fein  dh'  altruim  is  dh' 
araich  Cille-sgumain  iad  ;  a  dh'aindeoin  gach 
duileadas  no  deacaireachd  no  amhghar  a  bha 
aice  'n  an  arach  bheathaich  is  dh'oileanaich  i 
iad,  air  chor  agus  gu  bheil  ceaird  agus  ealadhain 
aca  ;  fear  dhiubh  'n  a  fhigheadair,  fear  'n  a 
chlachair,  fear  'n  a  shaor  ;  agus  am  fear  as 
lugha  dhiubh  oho  laidir  's  nach  cuireadh  sac 
seagaill  uallach  air.  Bithidh  uinich  is  ochanaich 
is  mionnan  ann  'n  uair  a  thaghar  an  deich  air 
fhichead  so,  ach  ochanaich  ann  no  as,  cuirear 
cota  ruadh  an  airm  orra  ;  cuirear  air  falbh  do'n 
Fhraing  iad,  air  chosdus  na  rioghachd  ;  agus 
beathaichear  iad  mar  dhaimh  a  bhitear  a' 
reamhrachadh,  gus  am  bith  feum  orra.  " 

"  Ann  an  Cille-sgumain  eile  anns  a'  Ghear- 
mailt  tha  a'  cheart  aireamh  de  dhaoine  laidir 
is  fallan  air  an  taghadh,  daoine  aig  a  bheil 
ceaird  agus  ealadhain,  agus  leis  a'  cheart  uinich 
is  ochanaich  is  mionnan,  tha  cota  glas  a'  Chae- 
sair  air  a  chur  orra  ;  tha  iad  air  an  cur  do'n 
Fhraing,  agus  an  sin  tha  an  da  bhuidheann  a' 
seasamh  mu  choinneamh  a  cheile,  deich  air 
fhichead  air  gach  taobh,  agus  gunna  an  laimh 
gach  fir." 

"  Cho  luath  's  a  gheibh  iad  ordugh  losgaidh 
leigidh  iad  a  mach  aon  dararach,  is  cuiridh  iad 
na  h-eanchainnean  a  each  a  cheile  ;    agus  an 


uair  a  ni  iad  sin,  an  aite  tri  fichead  fear-ceairde 
tapaidh  chan  'eil  agad  ach  tri  fichead  closach, 
closaichean  a  dh'  fheumar  a  thiodhlacadh  far 
an  do  thuit  iad,  ged  a  bhios  Cille-sgumain  a' 
briseadh  a  cridhe  'g  an  caoidh." 

"  Gu  de  a  chuir  na  daoine  ud  a  mach  air  a 
cheile,  no  ciod  a  thainig  eatorra  ?  01c  's  mar 
tha  Satan  cha  robh  dad  aig  ma  daoine  ud  an 
aghaidh  a  cheile.  Cha  b'  aithne  dhaibh  a  cheile 
idir ;  chan  f  haca  iad  a  cheile  I'iamh  gus  a'  mhionaid 
ud  anns  an  do  loisg  iad  an  dararach  ud  air  a  cheile, 
agus  na'n  robh  iad  air  am  fagail  aig  saorsa  an 
toile  fein  theagamh  nach  tigeadh  iad  trasd  air 
a  cheile  gu  brath.  Ach  chaidh  an  Uachdarain 
a  mach  air  a  cheile,  agus  an  aite  losgadh  air  a 
cheile,  thug  na  h-Uachdarain  air  na  h-amadian 
ud  losgadh,  agus  na  h-eanchainnean  a  chur  asda 
fein,  tri  fichead  dhiubh  air  an  aon  torn.  An  ni 
a  bha  ann  is  e  sin  an  ni  a  tha  ann  f  hathast,  agus 
chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein  ;  ciod  air  bith 
donas  a  ni  na  h-uachdarean  is  e  na  h-ioch- 
dairean  a  phaigheas  am  piobaire." 

Sin  agad,  a  leughadair,  an  rud  a  tha  daonnan 
a'  tachairt  ann  an  cogadh,  agus  ma  tha  duine 
air  thalamh  toilichte  gu  rachadh  amaideas  is 
aingidheachd  mar  so  air  aghaidh,  no  ma  tha  e 
an  diiil  gu'n  gabh  an  rud  fhireanachadh  ann  an 
solus  reusoin  is  coguis,  no  ann  an  solus  an 
Tiomnaidh  Nuaidh,  tha  e  ann  an  dorchadas 
eagallach. 


I  Chaluim-Cille 


Tha  mi  a'  cluinntinn  gu  bheil  an  da  eaglais 
anns  an  eilean  ainmeil  so  falamh  (eilean  a  bha 
'n  a  aite  naomh  anns  na  laithean  o  shean,  ciod 
air  bith  mar  tha  e  an  diugh)  agus  gu  bheil  an 
da  choimhthional  ri  bhi  air  an  aonadh.  Tha 
mi  an  duil  gu'm  faodadh  an  eaglais  dol  gu 
maith  na's  fhaide  na  sin  ;  gu'm  faodadh  i  a 
tigh  a  chur  an  ordugh  ann  an  Cleir  Mhuile, 
agus  a  h-uile  coimhthional  anns  na  cearnaibh 
sin  a  chur  fo  bhuachailleachd  no  fo  aodhaireachd 
na  h-I. 

Tha  an  saoghal  air  atharrachadh.  Bho 
chionn  deich  bliadhna  fichead  bha  Cleir  ann  am 
Muile  ris  am  faodadh  tu  Cleir  a  radh  an  da- 
rireadh  ;  ministearan  gasda  is  ministearan 
comasach  aig  an  robh  seasamh  is  tighdarras  am 
measg  an  t-sluaigh.  An  uair  a  bhiodh  minis- 
tear  a  dhith  air  Tiriodh,  no  air  Colla,  no  air  a' 
Mhorairne,  gheibheadh  iad  an  roghainn  de 
fhichead  ministear  maith,  daoine  mar  bha 
Eachann  Mac  Fhionghain,  is  Mac  Pharlain  na 
Moraix'ne,  is  Donnachadh  Camshron  a  bha 
ann  an  Cill-saigh.  Tha  mi  'g  an  ainmeachadh 
sin  a  chionn  gu  bheil  iad  marbh  agus  a  chionn 
nach  maith  leam  a  bhi  'g  ainmeachadh  nam 
beo. 

Ach  dh'  fhalbh  na  laithean  sin  agus  chan  'eil 
e  coltach  gu'n  tig  iad  air  an  ais  gu  brath  tuil- 


leadh.  Faodaidh  eaglaisean  Thiriodh,  is  Cholla, 
is  Bharraidh,  is  Uidhist,  eaglaisean  Mhuile 
agus  na  Morairne,  a  bhi  falamh  bliadhna  mhor 
gun  uiread  agus  aon  mhinistear  a  bhi  'g  a 
thairgsinn  fein  dhaibh.  Ciod  as  aobhar  da 
sin  ?  Theagamh  gu  bheil  iomadh  aobhar  air, 
ach  ciod  air  bith  an  t-aobhar,  tha  an  rud  mar  a 
thubhairt  mi  ;  tha  e  duilich  do  leithid  Cleir 
Mhuile  ministearan  f  haotainn,  oir,  a  reir  choslais, 
cha  toigh  le  ministearan  oga  dol  air  thigheadas 
dhaibh  fein  anns  na  h-eileanan  no  ann  an  aitean 
iomallach,  far  a  bheil  eagal  orra  gu'm  bi  iad 
'n  am  priosanaich  gu  brath,  ann  an  tighean  mora 
nach  urrainn  iad  a  chumail  suas  gu  ceart. 

Bu  mhaith  an  gnothuch,  ma  ta,  na'n  robh 
Cleir  Mhuile  uile  air  a  h-oibreachadh  o  I  ; 
eaglais-Mhor  I  air  a  deanamh  maiseach  is 
laidir  aon  uair  eile,  'na  mathair  do  na  h-eaglai- 
sean  eile  anns  a'  Chleir,  mainistir  air  a  chur 
suas  agus  Aba  air  a  cheann,  agus  fichead  no  an 
corr  de  mhinistearan  oga  fo  riaghladh  agus  fo 
ughdarras  an  Aba,  a  bhiodh  air  an  cur  a  mach 
leis  do  na  h-eaglaisean  eile  anns  a'  Chleir  air 
thurusan  an  t-soisgeil.  Leis  na  carbadan- 
iiilidh  agus  na  bataichean-uilidh  a  tha  aig 
daoine  an  diugh  cha  mhor  nach  biodh  Aba 
na  h-I  cho  dluth  do  mhuinntir  Thiriodh  no  do 
mhuinntir  na  Morairne  's  a  bhiodh  ministear 


ANNS  A'  CHATHAIR 


ann  an  Gott  no  ann  am  Fionn-airigh,  agus  co 
dhiu  bhitheadh  na  ministearan  oga  a  chuireadh 
an  t-Aba  a  mach  air  an  turusan  a'  fantuinn  anns 
na  h-eileanan  gus  am  biodh  iad  air  an  atharrach- 
adh,  cleas  muinntir  nan  tighean-soluis. 

I  mo  chridhe,  I  mo  ghraidh 
An  aite  guth  m,anaich,  bithidh  geum,  ha  ; 
Ach  mi'an  tig  an  saoghal  gu  cr\ch 
Bithidh  I  m,ar  a  bha. 

Sin   naigheachd  a  b'   fhiach    naigheachd   a 


radh  rithe,  na'n  cluinnteadh  anns  na  h-eileanan 
an  lar  gu  robh  lehobhah  ag  amharc  a  nuas  o 
airde  a  naomhachd,  agus  a'  suidheachadh  a 
phailliunn  as  iir  an  I  ;  gu  robh  fonn  nan  salm 
air  an  togail  aon  uair  eile,  gach  maduinn  is 
trath-noin  is  feasgar,  an  taobh  a  stigh  de  na 
ballachan  sin  a  tha  air  an  naomhachadh  le 
ainm  Chaluim-cille.  Ach  c'  aite  am  faighear 
an  diugh  Calum-cille  no  Samuel  a  dhol  air 
cheann  sffoil  nam  faidhean  so  ? 


Eaglaisean  Grannda 


Tha  mi  an  diiil  nach  'eil  eaglaisean  air  an 
t-saoghal  cho  grannda  ris  na  h-eaglaisean  a 
chithear  air  feadh  na  Gaidhealtachd  ;  grannda 
an  taobh-a-muigh  's  a  stigh.  Chan  'eil  eaglais  air 
bith  ceart  mur  bheil  i  'n  a  tigh  maiseach  cho 
mhaith  ri  bhi  'n  a  tigh  naomh,  oir  tha  maise 
cho  mhaith  ri  naomhachd  anns  an  diadhaidh- 
eachd.  Theagamh  gur  e  so  an  t-aobhar,  co 
dhiii  ann  an  cuid,  nach  'eil  uiread  gaoll  aig  ar 
sluagh-ne  air  eaglais  an  oige  's  a  tha  aig  muinn- 
tir Shasuinn.  Ann  am  beatha  laitheil  an  t- 
sluaigh  chan  'eil  aite  idir  aig  an  eaglais  anns 
a'  Ghaidhealtachd  ;  fad  na  seachduinn  tha  a 
dorsan  diiinte  ;  an  uair  a  dh'  fhosgailear  iad 
air  an  t-Sabaid  tha  aileadh  fuarraidh  aisde, 
aileadh  nach  fhaighear  ann  an  aite  air  bith  eile 
ach  innte  fein,  agus  ann  an  seomraichean  dorcha 
far  nach  'eil  uinneagan  air  am  fosgladh  ach  uair 
annamh.  Ma  tha  baisteadh  no  posadh  ri 
dheanamh  is  fhearr  le  daoine  iad  a  bhi  air  an 
deanamh  aig  an  tigh  no  ann  an  tigh-osda  ;  cha 
tig  e  aon  uair  'n  an  cridhe  gu'm  bu  mhaith  leo 
a  bhi  air  am  posadh  anns  an  eaglais.  Ciod  is 
ciall  da  sin  ?  Tha  so,  nach  e  an  eaglais  tigh  an 
chridhe,  tigh  an  ghraidh.  Chan  'eil  gaol  aca 
oirre  mar  tha  gaol  aca  air  nithean  eile  a  bha  'g 
an  sniomh  fein  m'an  cridheachan  o  laithean  an 
oige,  agus  chan  'eil  ionghnadh  ged  nach  'eil, 
oir  tha  na  h-eaglaisean  cho  fuar  grannda  's 
nach  airidh  iad  air  gaol. 

Nach  mor  am  miighadh  a  tha  eadar  sinn 
fhein  agus  muinntir  Shasuinn  anns  a  chilis  so  ! 
Ann  am  beatha  laitheil  nan  Sasunnach  tha  an 
cridheachan  a'  tionndadh  ris  an  eaglais,  is  tha 
gaol  aca  oirre.  Tha  iad  air  am  baisteadh  innte, 
is  tha  iad  air  am  posadh  innte,  agus  is  maith 


leo  an  duslach  a  bhi  dliith  dhi  an  uair  a  bhios 
iad  marbh.  Theid  iad  a  dh'  iirnuigh  innte  leo 
fein  air  laithean  na  seachduinn,  agus  air  fichead 
doigh  eile  tha  an  casan  agus  an  cridheachan  a' 
tionndadh  ris  an  eaglais  gun  sgur,  co  dhiu  a 
tha  iad  dubhach  no  subhach. 

A  reir  mo  bheachd-sa  tha  a  choire  no  chliii 
so  uile  aig  na  togalaichean  ;  tha  eaglaisean 
Shasuinn  maiseach  an  uair  a  tha  iad  mor,  is 
boidheach  an  uair  a  tha  iad  beag  ;  ach  mor 
no  beag,  tha  eaglaisean  na  Gaidhealtachd 
grannda.  Gun  teagamh  tha  eaglaisean  boidh- 
each ri  fhaotainn  an  sid  agus  an  so,  ach  le'n 
gabhail  thar  a  cheile  tha  eaglaisean  ar  duthcha 
lom  is  fuar  is  grannda. 

Tha  da  aobhar  air  so,  bochdainn  na  diithcha 
agus  droch  fhasan  a  thainig  a  nuas  o  laithean 
Iain  Noes. 

Bhiodh  e  maith  do'n  diadhaidheachd  anns 
a'  Ghaidhealtachd  na'n  robh  barrachd  gaoil 
aig  daoine  air  clachan  na  h-eaglais,  agus  na'm 
feuchadh  iad  ris  na  togalaichean  a  dheanamh 
boidheach  is  comhfhurtachail.  Is  toigh  leinn 
'n  ar  dachaidhean  fein,  gu'm  biodh  gach  ni  an 
ordugh  maith  ;  gu'm  biodh  sgeimh  is  grinneas 
mu'n  cuairt  oirnn ;  dealbhan  boidheach  air  na 
ballachan  ;  tubhailt  gheal  air  a'  bhord  is 
theagamh  pasgan  f  hluraichean,  ged  nach  biodh 
againn  air  a'  bhord  ach  buntata  is  sgadan. 
Car  son,  mata,  nach  deanamaid  dichioll  air 
tigh  naomh  an  Tighearna  a  dheanamh  sgiamh- 
ach  is  maiseach  ?  Bha  e  'n  a  uallach  air 
coguis  Dhaibhidh  gu  robh  a  thigh  fein  na  b' 
fhearr  na'n  tigh  anns  an  robh  aire  an 
Tighearna. 

'Na  theampull  tha  gach  ni  ag  radh,  glbir. 


Tre  Chreideamh  Gu  Sealladh 

"  Nach  dHhuirt  mi  riut  :  ma  chreideas  tu  gxi  faic  thu  glbir  Dhe  ?  "• — Eoin  xi.  40. 


B'E  so  an  doigh  chaomh  anns  an  d'thug  an 
Tighearna  comhfhurtachd  do  dheisciobuil  a 
bha  fo  bhron  cridhe,  is  dochas  air  an  treigsinn  le 
feitheamh  agus  le  mealladh.  Ceithir  la  roimh 
'n  sud  bha  e  air  a  radh  :  "  Chan  'eil  an  tinneas 
SO  a  chum  bajs  ach  a  ehum  gloire  Dhe,  a  chum 


gum  biodh  mac  Dhe  air  a  ghloireachadh  d'a 
thaobh  " — chuir  e  na  briathran  sin  mar  theach- 
daireachd  dochais.  Agus  air  dha  fhein  a  thigh- 
inn  chan  'eil  teagamh  nach  deach  e  thairis  air  na 
briathran  ceudna  dhi.  Ach  bha  an  corp  marbh, 
's  e  air  tpiseachadh  a'  lobhadh  mar  gum  biodh 


TRE  CHREIDEAMH  GU  SEALLADH 


e  'g  an  deanamh  'n  am  breig.  Chaidh  a' 
creideamh  air  chrith  fo  'n  bhuille.  Cha  do 
reusonaich  losa  rithe  —  chuir  e  a  teagamhan 
an  darna  taobh.  Bha  ise  a'  sealltuinn  ris  na 
duilgheadasan  a  bha  's  an  t-slighe.  Cha  do  rinn 
esan  fiii  agus  siiil  a  thoirt  air  na  duilgheadasan. 
Dh'iarr  e  oirre  smaoineachadh  air  uile-chumh- 
achd-san  agus  earbsa  as  gus  a'  chrioch.  "  Nach 
d'thuirt  mi  riut  ?  "  Tha  mi  ag  radh  an  ni  ceudna 
fliathast. 

Tha  mi  a'  leughadh  nam  briathran  so  leis  an 
aoibhneas  as  mo,  chan  ann  a  chionn  na  tha  iad 
ag  innse  dhomh  mu  Mharta  ach  a  chionn  na  tha 
iad  ag  innse  dhomh  mu  mo  Mhaighistir.  Tha 
mi  a'  faicinn  cho  tur  earbsach  's  a  tha  mo 
chriosd.  Tha  mi  faicinn  mar  a  tha  e  ag  iarraidh 
earbsa — agus  a  bharrachd  air  an  sin  tha  mi 
faicinn  a  choir  air  earbsa  ;  agus  gu  bheil  e 
gu  neo-chriochnach  airidh  air  earbsa.  Na'm 
biodh  eolas  gu  leor  aig  Marta  air  a  Tigh- 
earna  cha  robh  teagamh  air  dragh  a  chur  air  a 
cridhe  air  son  aon  mhionaid.  Gus  am  bi  eolas 
ceart  agam  air  Criosd  bidh  e  duilich  dhomh  Ian 
earbsa  chur  ann,  ach  aon  uair  's  gun  cuir  mi 
eolas  air  chan  urrainn  mi  gun  earbsa  chur  ann. 
B'e  so  an  leasan  a  dh'fhoghlum  an  t-Abstol  cho 
maith  an  uair  a  thuirt  e,  "  Tha  fhios  agam  c6 
ann  a  chreid  mi."  Cha  d'thuirt  e  ;  "  Tha  fhios 
gun  do  chreid  mi  ann."  Is  e  thuirt  e,  "  Tha  fhios 
agam  c6  air  a  tha  m'earbsa  agus  is  ann  ris  an 
lagh  a  tha  e  'g  a  radh,  tha  fhios  agam  gu 
bheil  e  gu  neo-chriochnach  airidh  air  earbsa. 
Agus  b'e  so  ni  air  nach  robh  aobhar  a  bhi  rann- 
sachadh  tuilleadh.  Bha  e  'n  a  ghnothaich 
suidhichte.  "  Tha  fhios  c6  ann  a  chreid  mi  " — 
cha'n  e  "  Co  ann  'a  dh  'fhaodas  mi  earbsa  an 
uair  nach  bi  neach  eile  ann,"  ach  "  tha  fhios 
agam  c6  ann  a  dh'earb  mi  cheana — aon  uair  's  a 
chaoidh,  agus  a  chumas  mi  tearuinte  gu  brath. 
Tha  mi  ag  earbsa  as  a  chionn  gur  aithne  dhomh 
e.  "Is  aithne  dhomh  e  mar  neach  nach  teid  a 
chaoidh  air  ais  air  fhacal."  Nach  ann  a  dh'ionn- 
saigh  so  a  bha  losa  treorachadh  Mharta .''  Nach 
d'thuirt  mi  riut  ?  A'  ni  a  thuii-t  mi  aon  uair  cha 
teid  mi  a  chaoidh  air  ais  air. 

Saoilidh  mi — a  thaobh  criochan  arda  a' 
chreideamh — gur  usa  dhomh  eolas  fhaotainn  air 
Criosd  na  air  neach  sam  bith  eile  na  eadhon  orm 
fhin.  Agus  sin  a  chionn  nach  'eil  mi  fhinno  duine 
eile  an  aon  ni  da  la  as  deidh  a  cheile,  am  feadh 
's  a  tha  Criosd  gun  atharrachadh.  Ma  tha  mi 
faicinn  Chriosd  idir  tha  mi  a'  faicinn  a'  ni  a 
bhios  e  an  comhnaidh.  Ag  amharc  orm  fhin 
agus  air  daoine  tha  mi  ag  amharc  air  a'  mhuir 
ghluasadach.  Ag  amharc  air  Criosd  tha  mi  ag 
amharc  air  fior-mhuUach  beinne,  a  tha  an  aon  ni 
gach  raidhe — an  aon  ni  a  dh'oidhche  's  a  la. 
Foadaidh  ceo  a  chomhdach  car  uine,  ach  an  uair 
a  thogas  a'  cheo,  tha  am  mullach  ud  gun  athar- 
rachadh mar  a  bha  e.  Ma  tha  eolas  agam  air  mar 
SO  feumaidh  mi  earbsa  as  a  chaoidh. 


"  Nach  d'thuirt  mi  ruit  ?  " — bha  sin  'n  a 
chronachadh  mar  a  bha  e  'n  a  chomhfhurtachd, 
Bha  e  collach  ris  an  ni  a  thuirt  e  ri  Philip  :  "  A 
bheil  mise  iiin  co  fhada  maille  ribh  agus  nach 
aithne  thuit  fhathast  mi  Philip  ?  "  Is  e  an  aon 
ni  a  tha  mo  mhaighistir  ag  iarraidh  orm,  gu'n 
cleachd  mi  creideamh  simpli  air  an  ni  a  thuirt  e 
rium  a  cheana  :  Chan  'eil  ach  aon  f  hreagairt 
aige  do  m'uile  dhuilgheadasa  eadhon,  "  Creid 
agus  chi  thu."  Ma  tha  e  cur  dail  ann  a  bhi 
coimhlionadh  cuid  de  fhacal,  agus  ma  tha 
mise  toiseachadh  air  a  bhi  smaoineachadh  nach 
urrainn  e  an  coimhlionadh  a  nis,  is  coir  dhomh  a 
chuimhneachadh  gur  ann  a  tha  e  cur  dail  a  chum 
gum  bi  am  beannachadh  na's  saoibhire  an  uair  a 
thig  e. 

Is  trie  a  tha  mi  smaoineachadh  air  gradh  an 
Tighearna — an  gradh  a  chi  m'  fheum  roimh  'n 
am,  agus  a  tha  ag  ullachadh  air  a  shon  roimh  'n 
am  ;  ach  tha  mi  smaoineachadh  mar  an  ceudna 
air  a'  ghradh  a  tha  fuireach — an  gradh  a  tha  'g 
am  chumail  fada  anns  an  dorchadas,  agus  nach 
eisd  ri  mo  ghlaodh.  Tha  fhios  agam  ma  tha  e 
cur  deuchainn  throm  orm  gur  ann  a  chionn  gu 
bheil  gradh  aige  dhomh — mar  is  luachmhora  an 
t-seud  's  ann  is  mo  gheibh  i  de  ghearradh  's  de 
bhleith  fo  lamhan  a'  ghearradair.  Creididh  mi 
ma  tha  e  leantainn  air  smachdachadh  gur  ann  a 
chionn  gu  bheil  gradh  aige  dhomh  ;  Ma  Tha 
e  deanamh  moille  am  measg  cnuic  Ghilead  an . 
uair  a  tha  mise  'g  a  ghairm  a  chum  mo  Bhetani 
is  ann  a  chionn  gu-bheil  gradh  aige  dhomh 
— agus  tha  fhios  agam  gu'n  cuir  e  fhein  solus 
air  air  a'  cheann  mu  dheireadh — gu'n  robh 
e  "  chum  gloir  Dhe  agus  a  chum  gu'm 
biodh  e  air  a  ghlorachadh  ann."  Aig  an  uair 
as  fhear  dhomhsa  agus  dha  fhein  foillsichidh 
e  a'  ghloir  sin,  agus  tionndaidhidh  e  mo  bhron 
gu  aoibhneas  : 

Is  oirdhearc  gliocas  Dhe 
Is  naomh  a  chridhe  ghnath  ; 
Chan  'eil  e  uair  air  bith  roimh'n  am 
'N  deidh  laimh  cha  bhi  gu  brath. 

Cha  b 'fhada  gus  am  faca  Marta  gloir  Dhe  mu  'n 
do  labhair  am  maighistir.  Chunnaic  i  e  anns  a' 
Mhaighistir  fein  a  dhearbh  gu'm  b'e  fhein  a 
Tighearna  na  beatha.  Agus  chunnaic  e  anns  na 
nithean  a  lean  as-eirigh  a  bhrathar  :  "  an  sin 
chreid  moran  de  na  h-Iudhaich  ann  a  chunnaic 
na  nithean  a  rinn  losa."  Air  sgath  Lazaruis 
chreid  moran  dhe'n  t-sluagh  ann  an  losa.  An 
uair  a  bha  mi  a'  caoidh  os  cionn  uaigh  aon 
ghraidh,  agus  e  duilich  fhaicinn  de  maith  as 
urrainn  tighinn  as  mo  chall  a  tha  briseadh  mo 
chridhe,  is  coir  dhomh  a  chreidsinn  gu  bheil 
trocair  do  mhuinntir  eile  aig  Dia  anns  an 
t-sealladh  gu  faod  so  a  bhi  'n  a  mheadhon 
diisgaidh  gu  beatha  fhior  agus  bheannaichte  air 
cuid  air  nach  robh  ach  buaidh  an  fhacal  thige 
so.  Is  trie  a  tha  leabaidh  bais  'n  a  h-ionad-breith 
do  anamaibh  deurach ;  agus  os  cionn  deoir  abhos 


6 


TRE  CHREIDEAMH  GU  SEALLADH 


rinn  ainglean  Dhe  gairdeachas,  agus  an  neach  a 
bha  caillte  air  fhaotainn. 

Is  coir  dhomh,  uime  sin  f  hoghlum  o  cheisd  mo 
Mhaigstir  :  "  Nach  d'thuirt  mi  riut,  ma  chrei- 
deas  tu  gu  faic  thu  ?  "  agus  o  'n  fhacal  a  thuirt 
e  an  deidh  as-eirigh,  "  Is  beannaichte  iadsan 
nach  fhaca  agus  a  chreid,"  gu  faod  am  barrachd 
fois  a  bhi  aig  mo  chridhe  an  uair  a  tha  mi  a 
mhain  a'  ereidsinn  a'  ni  a  thuirt  mo  mhaighistir 
agus  sin  a  chionn  gur  esan  a  thuirt  e.  Leis  a' 
sin  gheibh  mi  air  chulaibh  mo  dhuilgheadasan 
agus  chi  mi  nach  ruiginn  a  leas  a  bhi  fo  thriob- 
laid  air  an  son. 

Is  coir  dhomh  f  hoghlum  mar  an  ceudna  a  bhi 
beantainn  ri  mo  thrioblaidean  mar  a  rinn  losa  ri 
Marta — na  nithean  a  tha  mi  ereidsinn  a  chur  ri 
aghaidh  na  nithean  a  tha  mi  a'  faicinn  agus  fois 
a  ghabhail  mar  sin.  Cha  ruig  a  leas  de  chi  no  a 
dh'  fhairicheas  mi  dragh  a  chur  orm  a  chionn  gu 
bheil  mi  a'  cur  m'a  choinnimh  a'  ni  a  tha  mi  a' 
ereidsinn  air  ughdaras-san.  Tha  mi  a'  faicinn 
de  pheacadh  unnam  gach  la  na  tha  toirt  orm  a 
bhi  ag  radh  "  Ceann-feadhna  nam  peacaeh," 
ach  tha  mi  a'  ereidsinn  ann  am  maitheanas 
peacaidh  air  dhoigh  's  gu  bheil  fhios  agam  nach 
'eil  diteadh  sam  bith  dhomh.  Tha  mi  a'  faicinn 
mile  ni  'n  am  chor  a  tha  cur  dragh  orm,  ach 
gidheadh  tha  mi  a'  ereidsinn  gu'n  "  oibrich  na 
h-uile  nithean  le  cheile  "  chum  mo  mhaith.     Tha 


mi  a'  faicinn  peacadh  a'  comhdach  na  talmhainn, 
agus  mar  gum  biodh  Satan  a'  toirt  buaidh  's 
gach  aite,  ach  tha  mi  a'  ereidsinn,  gu  bheil  a 
leirsgrios  cho  cinnteach  's  a  tha  lehobhah  a' 
rioghachadh.  Tha  mi  faicinn  leabaidh  an 
tinnis,  a'  chisde-laighe,  an  uaigh  aig  aon 
ghraidh  a  tha  'g  am  fhagail  is  'g  am  fhagail 
bronach — ach  ged  a  tha  mi  faicinn  bais  tha  mi 
ereidsinn  ann  am  beatha — ged  tha  mi  faicinn 
na  h-uaghach  tha  mis  a'  creidsin  ann  an  as-eirigh 
nam  marbh  Ged  a  tha  mi  faicinn  daimhean 
graidh  air  am  briseadh  anns  an  t-saoghal  so,  tha 
mi  a'  ereidsinn  ann  an  aonadh  dhaimhean  as 
milse  air  Neimh.  Chan  'eil  mi  a'  faicinn  sonas 
Neimh — na  trusganan  fada  geala,  na  pailm,  na 
cruitean  oir — ach  tha  mi  cinnteach  gun  gheall 
Dia  iad,  agus  tha  sin  cho  maith  's  ged  a  bhiodh 
iad  'n  am  laimh.  Is  urrainn  mi  a  mholadh  air 
son  a'  ni  a  tha  e  dol  a  dheanamh  cho  cinnteach 
's  air  son  an  ni  a  rinn  e  cheana,  agus  a  radh 
"  Gloir  dhuit  air  son  a'  ghrais  air  nach  do  bhlais 
mi  fhathast."  Agus  m'as  e  agus  gun  lion  iongan- 
tas  mi  air  dhomh  neamh  a  shealbhachadh  gu'm 
biodh  peacaeh  mar  a  bha  mise  idir  an  gloir 
saoilidh  mi  gu'n  cuir  mo  Thighearna  an  dearbh 
cheisd  so  orm  eadhon  ann  an  sud  :  "  Nach 
d'thuirt  mi  riut  ma  chreideas  tu  gu  faic  thu 
gloir  Dhe  ?  " 

G.  H.  K. 


Chan  Aill  Leibh  Teachd 

"  Gidheadh  chan  aill  leibh  teachd  a  m' ionnsaighsa  chum  gum  faigheadh  sibh  beatha." — Eoin  v.  40. 


^'ACH  iongantach  agus  nach  bronach  an  ni 
i-N  e,  air  do  shlanuighear  a  bhi  air  a  thairgse, 
comasach  air  an  t-saoghal  uile  thearnadh  gu 
bheil  cho  beag  a'  teachd  d'a  ionnsaigh.  Na'm 
biodh  bata  mor  gu  leor,  gus  an  t-iomlan  dhiudh 
a  thearnadh  a  bha  air  long  a  bha  dol  fodha  air 
a  chur  a  dh'ionnsaigh  na  luinge,  agus  gum 
pilleadh  e  air  ais  le  leth  na  h-aireamh,  nach 
feoraicheadh  tu  le  mor  chiiram,  c'arson  nach 
robh  a'  chuid  eile  dhiiibh  air  an  tearnadh  ? 
Mar  sin  air  do  Chriosd  a  theachd  a  thearnadh 
an  dream  a  tha  caillte  agus  gidheadh  gu  bheil 
a'  chuid  as  mo  caillte  buinidh  e  dhuinn  a'  cheist 
a  chur  c'arson  nach  eil  tuilleadh  air  an  saoradh  ? 
Is  e  ar  freagradh  :  "  chan  aill  leibh  teachd  a 
m'ionnsaighsa  chum  gu  faigheadh  sibh  beatha  " : 

1.  Chan  ann  a  bhrigh  ni  air  bith  a  ta  ann  an 
Criosd,  a  ta  peacaich  air  an  call  gu  siorruidh. 

(1)  Chan  ann  a  chionn  nach  'eil  Criosd  Ian 
chonaasach  air  an  saoradh  eadhon  gach  aon 
diubh,  a  tha  peacaich  air  an  call.  Tha  'm 
Biobull  gu  leir  a'  nochdadh  gu  bheil  Criosd  Ian 
chomasach  air  an  t-saoghal  uile  thearnadh — 
sin  ri  radh  gu'm  biodh  an  saoghal  gu  leir  air  a 
thearnadh,  na'n  tigeadh  an  saoghal  a  dh'ionn- 
saigh Chriosd.     "  Feuch  Uan  De  a  ta  toirt  air 


falbh  peacaidh  an  t-saoghail  "  (Eoin  i.  29). 
Chan  'eil  so  a'  eiallachadh  gu  bheil  peacaidh 
an  t-saoghail  uile  a  nis  air  an  toirt  air  falbh. 
Tha  e  soilleir  nach  'eil  am  peacaidh  air  am 
maitheadh  do  'n  t-saoghal  uile  aig  a'  cheart  am 
so.  Oir  chan  'eil  an  saoghal  uile  air  a  thearnadh. 
Tha  Dia  a'gairm  pheaeach  anns  gach  cearna  gu 
aithreachas  ;  agus  is  i  a'  cheud  obair  a  tha  an 
Spiorad  a'  deanamh,  a  bhi  toirt  dearbhadh  air 
peacadh — an  t-eallach  trom  fo  bheil  gach  anam 
gunChriosd'nalaighe.  Thamaitheanasaghnath 
co-cheamgailte  ri  bhi  a'  ereidsinn.  Air  dhoibh 
an  duine  a  bha  tinn  leis  a'  phairilis  a  thoirt  a 
dh'ionnsaigh  losa  agus  air  dha  an  creideamh 
fhaieinn,  thubhairt  e  ri  fear  na  pairilis  :  Biodh 
deagh  mhisneach  agad  a  mhic,  a  ta  do  pheacanna 
air  am  maitheadh  dhuit  (Matt.  ix.  2)  "  Creid 
anns  an  Tighearna  losa  agus  teai'nar  thu." 
Mar  sin  tha'm  Biobull  a'teagasg  gun  d'fhuiling 
Criosd  am  bas  air  son  pheaeach  agus  gu  bheil 
coir  aig  gach  aon  a  ta  'na  pheaeach  a  theachd 
da  ionnsaigh. 

Tha  e  soilleir  gu  bheil  Criosd  comasach  air 
na  h-uile  thearnadh  do  bhrigh  gu  bheil  e 
comasach  air  neach  air  bith  a  thearnadh.  Oir 
ma  tha  e  comasach  air  aon  pheaeach  a  thearnadh 


CHAN  AILL  LEIBH  TEACHD 


tha  e  comasach  air  an  tearnadh  uile.  Cha  b'e 
bha  'n  a  cheist  air  Dia — tha  mi  labhairt  mar 
(limine — cionnus  a  ghabhadh  e  ri  moran  phea- 
raeh  ach  cionnus  a  ghabhadh  e  ri  aon.  Agus 
ma  tha  a'  cheist  so  air  a  fuasgladh  ann  an  Criosd 
a  thaobh  aoin  pheacaich,  tha  i  air  a  fuasgladh 
a  thaobh  nan  uile  a  tha  'n  am  peacaich.  Ma 
dh'fhaodas  aon  pheacach  a  theachd  a  dh'ionn- 
saigh  Dhe  ann  an  Criosd  agus  sith  fhaotainn 
freagarrach  ri  gloir  ceartais,  tha  e  soilleir  gu 
faod  an  t-iomlan  diubh  teachd  ;  oir  ma  's  leor 
Criosd  air  son  Abeil  is  leor  e  air  son  gach  neach 
a  thig  'n  a  dheidh. 

Ma  dh'fhaodas  aon  ghaduiche  amharc  ris  aig 
uair  a'bhais,  faodaidh  iad  uile.  Ma  dh'fhaodas 
fear-coimhead  a'  phrisain,  agus  e  air  chrith, 
creidsinn  ann  faodaidh  gach  peacach  eile  air 
a  bheil  eagal,  an  ni  so  a  dheanamh  mar  an 
ceudna.  Bithidh  muinntir  a'  connsachadh  mu 
leithid  so  de  phunc,  ach  ma  bhasaicheas  sibh 
gun  Chriosd,  an  sin  chi  sibh  an  uair  a  bhios  e 
tuilleadh  agus  anmoch  gu'n  robh  pailteas  riiim 
fo  sgiathaibh  Chriosd  air  bhur  son,  ach  nach 
b'aill  leibh. 

(2)  A  ris,  chan  ann  a  chionn  nach  'eil  Criosd 
deonach  air  na  h-uile  thearnadh,  a  tha  peacaich 
air  an  call.  Ta  am  Biobull  gu  h-iomlan  a'  noch- 
dadh  gu  bheil  Criosd  deonach  agus  dian-iarr- 
tasach  air  peacaich  a  thearnadh.  Bha  am  baile 
dion  o  shean  'n  a  shamhla  air  Criosd  ;  agus  bha 
inar  as  cuimhne  leibh  a  gheatachan  fosgailte  a 
la  agus  a  dh'oidhche.  Bha  gairdeana  Chriosd 
air  an  sineadh  a  mach  air  an  Chrann-  cheusaidh, 
ni  a  tha  samhlachadh  cho  deonach  's  a  tha  e  gus 
na  h-uile  a  thearnadh  mar  a  thuirt  e  fein,  "  agus 
mise  ma  thogar  suas  o'n  talamh  mi,  tairnidh  mi 
na  h-uile  dhaoine  a  m'ionnsaigh  "  (Eoin  xii.  32). 

Bu  daingeann  a  bha  a  ghairdeana  air  an 
tairngeachadh  ris  a'  chrann,  ach  is  daighne  na 
sin,  a  tha  iad  a  nis  air  an  tairngeachadh  le  gaol 
agus  truas  gu  bhi  sinnte  mach  chum  gabhail  ri 
peacaich  chaillte. 

Chan  'eil  cion  toile  air  Criosd.  Air  do 
mhuinntir  a  bhi  iarrtasach  air  ni  air  bith  a 
dheanamh  ni  iad  gach  ni  a  tha  'n  an  comas,  a 
chum  a  choimhlionadh.  Is  ann  nrar  so  a  rinn 
Criosd,  "  ciod  tuille  ars'  esan  a  ghabhadh 
deanamh  ri  m'fhion-lios  nach  d'rinn  mi  ann  "  (Is. 
V.  4).  Agus  ma  tha  iad  ro  iarrtasach  bheir  iad 
an  oidhirp  a  ris  agus  a  ris.  Is  ann  mar  so  a  rinn 
Criosd.  "  A  lerusaleim,  a  lerusaleim  a  mharbhas 
na  faidhean,  agus  a  chlachas  an  dream  a  chuirear 
a  d'ionnsaidh,  cia  minig  a  b'aill  leam  do  chlann 
a  chruinneachadh  ri  cheile  mar  a  chruinnicheas 
cearc  a  h-eoin  fo  a  sgiathaibh  agus  cha  b'aill 
leibh  !  "  Agus  ma  tha  iad  anabarrach  iarrtasach 
bithidh  mor  dhoilgheas  orra  mur  teid  leo.  Mar 
so  bha  Criosd.  "  Agus  an  uair  a  thainig  e  am 
fagus  chunnaic  e  am  Baile  agus  ghuil  e  air  a 
shon."  Seadh  fuilingidh  dream  a  tha  ro  dhei- 
gheil  cradh  a  roghainn  air  an  ni  a  thoirt  thairis. 


Mar  so  rinn  losa,  thug  am  buachaille  maith 
anam  air  son  nan  caorach.  Uime  sin  ma  bhios 
sibh  caillte  chan  ann  a  chionn  nach'  eil  losa 
toileach  gum  biodh  sibh  air  bhur  tearnadh. 

2.  Anns  an  dara  h-ait,  is  ann  aig  daoine  agus 
chan  ann  aig  Criosd  a  tha  choire  nach  'eil 
peacaich  a'  tighinn. 

(1)  Chan  aill  leo  e.  Is  ann  acasan  's  chan  ann 
aig  Criosd  a  tha  choire.  Is  e  aineolas  air  Criosd 
aon  aobhar  a  tha  bacadh  pheacach  o  theachd 
d'a  ionnsaigh  ;  chum  so  na  ludhaich  uaithe. 
Air  dhaibh  a  bhi  aineolach  air  fireantachd  Dhe 
agus  ag  iarraidh  am  fireantachd  fein  a  chur  air 
chois,  cha  do  striochd  iad  do  fhireantachd  Dhe  " 
(Romh.  X.  3).  Tha  so  fior  mar  an  ceudna  a 
thaobh  iomadh  peacach  an  so  'n  diugh.  Cha 
tig  iad  gu  losa  do  bhrigh  nach  aithne  dhaibh  e. 
Tha  aineolas  cuid  a'  cur  mor  iongantas  orm  ; 
dream  a  tha  bliadhnachan  fo  eisdeachd  an 
fhocail,  agus  aig  nach  'eil  fios  c6  e  Criosd.  Tha 
iad  'n  an  tur  choigrich  dha,  Tha  cuid  ann  agus 
chan  aithne  dhaibh  cia  as  a  thainig  e,  no  c'ait 
a  bheil  e  dol,  c6  chuir  a  dh'ionnsaigh  an  t-sao- 
ghail  e,  c'arson  a  thainig,  no  a  dh'fhuiling  e. 
Tha  cuid  eile  ann  aig  a  bheil  eolas  na  litreach, 
ach  aig  nach  eil  a  bheag  a  dh'eolas  slainteil  air 
Criosd.  Chan  aithne  dhaibh  a  mhaise  no  cho 
freagarrach  's  a  tha  e  mar  Shlanuighear  dhaibh, 
agus  uime  sin  chan  aill  leo  teachd  da  ionn- 
saigh. Air  do  fhras  uisge  tuiteam  cha  rachadh 
tu  fo  fhasgadh  mur  biodh  fhios  agad  gu'n  robh 
fasgadh  ann.  Agus  na'm  biodh  tu  beo  aig  am 
na  tuile,  nam  biodh  tu  aineolach  air  an  aire,  no 
air  a  feum,  cha  rachadh  tu  d'a  h-ionnsaigh  ; 
sann  mar  so  a  tha  e  thaobh  cuid  aig  an  am  so. 
Tha  cuid  ann  agus  chan  'eil  eadhon  eolas  litireil 
fein  a  bhi  aca  air  Criosd,  agus  uime  sin  chan  aill 
leosan  teachd.  Cuid  eile,  agus  ged  tha  eolas 
litireil  aca  gidheadh  cha  d'thainig  iad  gu  bhi  a' 
tuigsinn  am  feum  air,  agus  uime  sin  chan  aill 
leosan  teachd  chum  beatha  fhaotainn. 

O  mhuinntir  ghradhaichte  na  bithibh  aineo- 
lach air,  tha  mi  a'  guidhe  oirbh.  Siribh  e  mar 
airgiod  agus  mar  a  shireas  neach  airson  ionmhas 
foluichte.  Na  abair  tha  mi  tuilleadh  is  sean 
chum  foghlum.  Is  urrainn  do'n  Spiorad  do 
theagasg.  Gabhaidh  e  de  nithe  Chriosd  agus 
nochdaidh  e  dhuit  iad.  Agus  gu  bheil  thu 
tuilleadh  is  og.  Is  iad  as  sona  oige  dh'fhogh- 
lum  !  Is  sona  na  h-uain  a  th'air  an  tional  a 
dh'ionnsaigh  uchd  an  t-Slanuighir  ! 

(2)  Is  e  aobhar  eile  tha  cumail  pheacach  o 
Chriosd  :  nach  'eil  iad  a  mothachadh  am  feum 
air.  Na  marbhadh  tu  duine,  ach  gun  fhios  a 
bhi  agad  gu'n  robh  fear  diolaidh  na  fola  air  do 
thoir  cha  theicheadh  tu  a  dh'ionnsaigh  a'  bhaile 
dhion.  Na'm  biodh  do  long  a'  dol  fodha,  ach 
gun  fhios  a  bhi  agad  air,  cha  theicheadh  tu  ;  no 
na'm  biodh  tinn  agus  gun  fhios  a  bhi  agad  air,  cha 
chuireadh  tu  air  son  an  hghiche.  Mar  sin  ma  tha 
aon  aineolach  air  a  bhi  fo  chorruich  Dhe,  agus 


CHAN  AILL  LEIBH  TEACHD 


buailteach  do  thruaighe  ifrinn,  chan  aill  leis 
teachd  a  dh'ionnsaigh  losa,  gu  beatha  f  haotainn. 
Amhairc  timchioU  ort,  agus  chi  thu  nach  'eil 
dad  a  chiiram  air  a'  chuid  as  mo  mu  chor  an 
anama.  Tha  ciiram  orra  mu'n  teaghlaichean, 
mu  am  miaoin  m'an  cliu,  ach  cha'n  eil  dad  orra 
de  churam  anama.  Ma  dh'fheoraicheas  tu : 
Car  son  a  tha  cho  beag  a'  teachd  a  dh'ionnsaigh 
losa  ?  Their  sinn,  do  bhrigh  gu  bheil  aireamh 
cho  beag  fo  churam  air  son  an  anama.  Tha  e 
soilleir,  mur  diiisgear  duine  gu  teicheadh  o'n 
fheirg  a  ta  ri  teachd  nach  teid  e  feasd  dh'ionn- 
saigh losa.  Bha  na  tri  mile  air  tus  air  am 
bioradh  'n  an  cridhe,  agus  an  sin,  dh'iarr 
dh'ionnsaigh  losa.  Bha  fear-coimhead  a'  phrio- 
soin  air  tus  fo  mhor  churam  mu  chor  anama  agus 
an  deidh  sin  air  a  thoirt  gu  gairdeachas  a 
dheanamh  ann  an  losa.  Cha  robh  neach  riamh 
air  a  thoirt  gu  losa,  gun  a  pheacaidh  a  bhi  air 
tus  air  an  dearbhadh  air. 

Sibhse  tha  mi-churamach.  O  iarraibh  dear- 
bhadh peacaidh — iarraibh  gu'n  deonaicheadh 
Dia  dhuibh  mothachadh  air  bhur  staid  chaillte 
thruagh  ;  oir  mur  duisgear  sibh  cha  tig  sibh  a 
feasd  gu  losa,  agus  cha  bhi  sibh  air  bhur  tear- 
nadh.  Agus  sibhse  tha  fo  churam  anama  O 
gleidhibh  bhur  mothachadh  air  peacadh. 

(3)  Is  e  an  treas  ni  a  tha  cumail  pheacach  o 
theachd  a  dh'ionnsaigh  losa  ;  gu  bheil  an 
cridhe  ag  eirigh  suas  'n  a  aghaidh.  Tha  iomadh 
neach  air  a  thoirt  gu  mothachadh  air  peacadh 
leis  nach  aill  gidheadh  teachd  a  dh'ionnsaigh 
losa.     Chan  e  ni  air  bith  a  th'ann  an  Criosd  a  tha 


deanamh  so  ach  sin  a  tha  'g  eirigh  suas  'n  an 
cridhe  fein.  Tha  Criosd  saor— 'n  a  dhorus  nach 
urrainn  neach  air  bith  a  dhunadh  ;  agus  ged 
bu  mhiann  leo  aig  amanna  a  bhi  aig  fois  ann. 
Tha  an  cridheachan  uaibhreach  ag  Eirigh  suas  'n 
a  aghaidh. 

Tha  da  aobhar  air  son  so.  Faodaidh  gu  bheil 
do  chiiram  g'a  do  ghluasad  gu  bhi  a'  cur  air  chois 
d'fireantachd  fein  agus  uime  sin  gu  bheil  thu 
thuilleadh  agus  ard-inntinneach  gu  theachd  a 
dh'ionnsaigh  losa.  Is  ann  mar  so  a  bha  na 
h-ludhaich.  Air  chul  gu'n  robh  iad  aineolach 
air  fireantachd  Dhe,  chaidh  iad  mun  cuairt  a 
chur  air  chois  am  fireantachd  fein  agus  uime  sin 
gu  bheil  thu  tuilleadh  ard-inntinneach  gu 
theachd  da  ionnsaigh. 

3.  Anns  an  treas  aite  thoir  fainear  ciont  na 
dream  leis  nach  aill  teachd  a  dh'ionnsaigh 
Chriosd. 

(1)  Tha  morachd  Chriosd  a'  nochdadh  meud 
an  cionta.  Is  e  Mac  siorruidh  Dhe  air  a  bheil 
iad  a  deanamh  tair.  Rinn  Eoin  fianuis  mu 
thimchioll  ;  rinn  a  mhiorbhuilean  fianuis  ;  rinn 
Athair  fianuis  ;  agus  tha  na  sgriobturan  anns 
gach  earrainn  dhiubh  a'  deanamh  fianuis  air 
a  thaobh  ;  agus  gidheadh  chan  aill  leibh  teachd 
a  chum  's  gu  faigheadh  sibh  beatha.  Is  e  mac 
Dhe  a  ghabh  air  fein  basachadh  ann  an  aite 
nam  peacach  ;  agus  gidheadh  cha  chuir  peacach 
bochd  truaillidh  mar  a  ta  thusa  urrad  a  dh'urrani 
air  agus  gu'n  earb  thu  thu  fein  ri  obair  chrioch- 
naichte.  O  cionnus  a  theid  sinn  as  ma  ni  sinn 
dimeas  air  slainte  cho  mor.  M'Ch. 


Claidheamh  losa  Criosd 

"  Chan  ann  a  chur  sithe  a  thainig  mi  ach  a  chur  claidheamh.'''' — Mat.  x.  34. 


CHAN  e  sith  ach  claidheamh — mo Thighearna, 
is  cruaidh  an  radh  e.  Teagaisg  dhomh  a 
chreidsinn  agus  geilleadh  do'n  deuchainn,  geur 
is  goirt  's  mar  a  tha  e. 

Eadar  mi  agus  mo  shaoghal,  faodaidh  claidh- 
eamh Chriosd  gearradh  le  faobhar  geur.  Tha  e 
'g  am  sgaradh  o  sheana  chleachdaidhean,  o 
sheana  ghniomhachas,  o  sheana  sholasan,  o 
sheana  dhaimhan.  Tha  e  'g  am  sgaradh  o  'n 
t-seana  chompanachas  anns  am  b'abhais  dhomh 
bhi  gluasad.  "  Chan  e  sud  do  dhachaidh  na's 
fhaide,  tha  e  ag  radh.  Agus  tha  mi  dol  a  mach 
as  na  criochan  anns  an  robh  mi  eolach  gu 
aiteachan  nach  do  shiubhail  mi  roimhe. 

Eadar  mi  agus  na's  fhaisge  agus  na's  gradh- 
aiche  dhomh  faodaidh  claidheamh  Chriosd  gear- 
radh gun  athadh  gun  truas  a  dheanamh  a  chum 
mo  mhath.  Faodaidh  nach  'eil  speis  aig  luchd- 
graidh  mo  thighe  fhein  do  m'  fhear-saoraidh 
agus  mo  Thighearna.  Is  docha  nach  'eil  iad  a' 
faicinn  maise  ann  gun  iarradh  iad  e.  Mar  sin 
tha  mise  agus  iadsan  air  ar  sgaradh  o  cheile  a 
thaobh  nan  nithean  as  doimhne  agus  as  arda, 


tonnan  dealachaidh  a'  ruith  eadarainn.  Agus 
CO  as  urrainn  cainnt  a  chur  air  cho  bronach  's  a 
tha  sinn  ? 

Eadar  mi  agus  mi  fhin  tha  e  cinnteach  gun 
gearr  claidheamh  Chriosd  le  faobhar  nach 
caomhainn.  Am  mi-f hin,  an  t-anam,  an  fhein  a 
b'abhais  a  bhi  cho  faoin,  cho  muinghineach 
cho  uailleil — feumaidh  e  bhi  air  a  mharbhadh  a 
muigh  's  a  mach.  Feumaidh  crioch  a  thighinn 
air  laithean  a  sprachd,  a  spadaireachd,  a  chuid 
uachdaranachd.  Gus  an  urrainn  mi  radh,  "  Cha 
mhise  tha  beo  ach  esan — m'Fhaidh,  mo  Shagairt 
mo  Righ — tha  e  beo  annam."  Nach  ann  an  sin 
a  bhios  an  t-atharrachadh  ! 

Tha  buille  a'  chlaidheamh  sin  goirt.  Ach  bha 
an  fhirinn  aig  a'  mharturach  o  shean  :  "  mar  is 
fhaisge  an  claidheamh  's  ann  is  fhaisge  Neamh  " 
— Neamh  an  diugh  air  an  talamh  cho  cinnteach 
ris  a'  Neamh  a  gheibh  sinn  fa-dheoidh  shuas. 
Air  dhomh  bhi  air  mo  bhualadh  le  claidheamh 
losa  chan  'eil  mi  air  mo  sgrios  ach  air  mo 
chrunadh. 

Smellie. 


I 


Air 


193 


A  Bhliadhna  Ur 


THA  sinn  a'  guidhe  bliadhna  mhaith  iir  do  ar 
luchd-leiighaidh  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
uile,  agus  moran  diubh.  Tha  sinn  an  dochas 
gu'ni  bi  slainte  is  soirbheachadh  aca  r^  na 
bliadhna  so,  agus  gu'n  saor  Dia  an  siiilean  o 
dheuraibh  agus  an  casan  o  shleamhnachadh. 

Aig  toiseach  na  bliadhna  iiire  tha  e  maith  do 
dhaoine  greim  a  dheanamh  as  iir  air  na  geal- 
laidhean  a  tha  air  an  toirt  dhuinn  ann  am  Facal 
Dhe.  Chan  'eil  suidheachadh  anns  am  faod 
sinn  a  bhith  nach  'eil  gealladh  ann  am  Facal  an 
Tighearna  a  tha  freagarrach  air  ar  son  ;  agus 
cha  bhiodh  na  geallaidhean  sin  air  an  sgriobh- 
adh  idir  mur  biodh  Dia  a'  ciallachadh  gu'm 
biodh  iad  air  an  tagar  leinne  ann  an  Ian  chrei- 
deamh. 

So  agad,  a  leughadair,  cuid  de  na  geallaidh- 
ean priseil  sin  ;  Mar  hhios  do  laithean  is  amh- 
luidh  bhios  do  mart. 

Ciod  a  b'  fhearr  na  sin  a  b'  urrainn  Dia  a  radh 
ri  chloinn  aig  toiseach  na  bliadhna  ?  Bidh  ual- 
lach  fein,  agus  a  chiiram  fein,  agus  a  bhuaireadh 
fein,  an  cols  gach  la  a  thig  ;  ach  bidh  gras  an 
Tighearna  'n  an  cois  cuideachd,  agus  bidh  a 
neart-san  air  a  dheanamh  foirfe  'n  ar  n-anmhuin- 
neachd-ne. 

Ma  tha  Dia  leinn  cb  dh'  fhaodas  a  hhi  'n  ar 
n-aghaidh  ?  An  ti  nach  do  chaomhain  a  Mhac 
fein,  ach  a  thug  thairis  e  air  ar  son-ne,  cionnus 
maille  ris-san  nach  toir  e  mar  an  cendna  dhuinn  gu 
saor  na  h-uile  nithe  ? 

Rachamaid,  ma  ta,  an  coinneamh  na  bliadhna 
so  le  deagh  mhisneach,  oir  is  e  an  Tighearna 
fein  ar  buachaille,  agus  bidh  a  chiiram  agus  a 
dhion  thairis  oirnn  ge  be  aite  an  teid  sinn. 

Tha  aingeal  Dhe  a'  campachadh, 
Mu'n  dream  d'an  eagal  e  ; 
'G  am  fuasgladh  is  'g  an  teasairginn 
O'n  trioblaidibh  gu  leir. 

Theagamh  gu  bheil  deuchainnean  cruaidh  air 
thoiseach  air  cuid  againn  anns  a'  bhliadhna  so, 
ach  cha  tig  deuchainn  air  bith  'n  ar  caraibh  gun 


fhios  do  Dhia.  Na'm  bu  leir  dhuinn  an  diugh 
na  tha  air  thoiseach  oirnn  m'  an  tig  a'  bhliadhna 
gu  crich  theagamh  gu'm  briseadh  e  ar  cridh- 
eachan,  ach  foillsichidh  Dia  a  fhreasdal  agus  a 
riiintean  dhuinn  uigh  ar  n-uigh,  a  reir  mar  is 
urrainn  sinn  an  giulan.  Cha  choir  dhuinn  sinn 
fein  a  sharuchadh  le  uallach  air  bith  ach  a 
mhain  ar  n-uallach  lathail,  direach  mar  a  thea- 
gaisg  Criosd  dhuinn  iirmuigh  a  dheanamh  air 
son  ar  n-aran  lathail.  Is  leor  do  gach  latha 
uallach  fein. 

Tha  geallaidhean  anns  a'  Bhiobull  do  dhaoine 
a  tha  air  am  buaireadh  gu  goirt  ;  tha  geallaidh- 
ean ann  do  dhaoine  a  tha  ann  an  diobhail  mis- 
nich  ;  tha  geallaidhean  ann  do  dhaoine  a  tha 
ri  uchd  bais,  agus  is  maith  a'  chluasag  anns  an 
oidhche  aon  de  gheallaidhean  an  Tighearna. 

An  uair  a  thagras  sinn  gealladh  Dhe  ann  an 
Ian  chreideamh  tha  an  gras  a  tha  air  a  gheall- 
tuinn  ann  againn  cheana.  Ach  chan  fhaighear 
an  gras  so  gus  am  bi  feum  againn  air  agus  an 

iarr  sinn  e  air  ar  n-Athair  neamhaidh. 

*  *  *  *  *  * 

Ach  ged  is  fhada  tri  cheud  agus  tri  fichead  la 
agus  a  coig  theid  iad  seachad  mar  sgeul  a  dh' 
innsear.  Tha  ar  laithean  a  dol  seachad  mar 
shruth.  Gu'n  teagaisgeadh  an  Spiorad  Naomh 
dhuinn  ar  laithean  aireamh,  chum  gu'n  socruich 
sinn  ar  cridheachan  air  gliocas.  Is  e  eagal  an 
Tighearna  tiis  a'  ghliocais  ;  tha  gealladh  na 
beatha  a  tha  lathair  agus  gealladh  na  beatha  a 
tha  ri  teachd  aig  a'  mhuinntir  a  ghluaiseas  ann 
an  eagal  Dhe.  Ach  chan  'eil  obair  no  aith- 
reachas  anns  an  uaigh. 

'Se  nis  an  t-am  bhi  reidh  ri  Dia, 
'Se  nis  an  t-am  thoirt  geill  do'n  Triath, 
Am  feadh  's  a  mhaireas  la  nan  gras, 
Faodaidh  gach  neach  dol  as  o'n  bhas. 

Faodaidh,  a  chionn  gur  toigh  le  Dia  trocair. 

Ann  an  stri  ar  beatha  ;  aig  uair  ar  bais  ;  agus 
ann  an  la  a  bhreitheanais  ;  a  Thighearna,  nochd 
dhuinn  do  thrbcair. 


Na  Dean  Cron  Ort  Fein 

"  Agus  ghlaodh  Pol  le  guth  drd,  ag  radh  :   Na  dean  cron  san  bith  ort  fein.'" — Gn.  xvi.  28. 

Searmon  a  rinn  Domhnullacli  na  Toiseachd 


BHA  na  briathran  so  air  an  labhairt  le  Pol  ri 
fear-coimhead  a'  Phriosain  ann  am  Philipi. 
Thaobh  nam  briathran  o  an  do  chuir  mi  romham 
a  bhi  labhairt,  tha  sinn  a'  faicinn  ciamar  a  bha 
iad  a'  laighe  ri  fear-coimhead  a'  phriosain,  agus 


ciod  an  ni  araidh  a  bha  iad  a'  labhairt  ris 
Faodaidh  nach  'eil  neach  'g  am  eisdeachd  anns 
an  dearbh  staid  san  robh  esan  aig  an  am,  no 
tha  air  ti  an  dearbh  ghniomh  sin  a  dheanamh 
bha  esan  gu  a  chiontachadh.    Tha  mi  an  durachd 


2 


NA  DEAN  CRON  ORT  FEIN 


a  bhi  ereidsinn  nach  'eil ;  agus  na'm  biodh,  tha 
na  briathran  a'  labhairt  ris  an  neach  sin  anns 
an  t-seadh  as  cudthroniaiche.  Gidheadh  is  e 
ni'eagal  gu  bheil  iomadh  'g  am  eisdeachd  a  tha 
deananih  croin  orra  fein  air  iomadh  doigh  eile  ; 
seadh,  araon  a  thaobh  an  anam  a  agus  an  cuirp, 
mar  bheir  sinn  fainear  an  deidh  so. 

Na  dean  cron  sam  bith  air  do  chorp  no  air  do 
bheatha  nadurra  'san  t-saoghal  so.  Tha  fhios 
aig  na  h-uile  neach  cho  feumail  's  a  tha  an 
t'anam  don  chrop,  agus  a  tha  'n  corp  mar  an 
ceudna  d'on  anam.  Ach  ged  tha  an  corp  gu  trie 
anfhann  agus  'na  eallach  air  an  spiorad,  ciod, 
gidheadh,  dheanadh  e  'san  t-saoghal  so  d'a 
easbhuidh  ?  Tha  e  an  comain  a  shiiilean,  a 
chluasan,  a  lamhan,  a  chosan,  seadh  (agus  chan 
iad  bu  choir  a  bhi  air  dheireadh)  a  ghliiinean, 
anns  a'  bheatha  spioradail  maille  ri  so,  thigeadh 
air  popull  an  Tighearna  a  chumail  an  cuimhne 
gu  bheil  an  cuirp,  cho  maith  r'an  anamaibh  air 
an  ceannach  le  Criosd.  Seadh,  is  iad  an  cuirp 
earrann  de  chorp  diomhair  Chriosd  agus  team- 
puill  an  Spioraid  Naoimh.  Dh'ainmichinn  a  nis 
cuid  de  na  doighean  anns  a  bheil  daoine  an 
cunnart  a  bhi  a'  deanamh  croin  orra  fhein  ?  'se 
sin,  air  an  cuirp,  no  am  beatha  nadurrach. 

1.  Tha  iadsan  'g  a  dheanamh  a  tha  cumail 
o'n  chorp  a  ni  si?i  a  tha  feumail  air  a  shon.  Tha 
cuid  aig  a  bheil  meadhonan  gu  leor  gu  an  cumail 
suas,  ach  aig  nach  eil  cridhe  a  bhuilicheas  iad 
orra  fein,  no  air  an  co-chreutaraibh.  Tha  an 
cridheachan  ceangailte  ri  an  cuid  oir  is  airgid. 
Na  daoine  truagha  !  Ciod  a  ni  an  cuid  airgid 
is  oir  dhaibh  aig  uair  a'  bhais  ?  Tha  iadsan  gun 
teagamh  a'  deanamh  cron  mor  orra  fhein.  Tha 
cuid  eile  tre  leisg  is  lunndaireachd,  agus  anacail 
gu  obair,  nach  saothraich  mar  bhuineadh  dhaibh 
air  son  an  arain  lathail,  agus  an  loin  'san  eideadh 
a  dh'  fheumas  an  cuirp.  Is  ma  ghabhas  iad 
obair  aig  am  air  bith  os  laimh  ciod  a  tha  annta 
ach  snaigeirean  no  seilcheagan  'n  a  ceann.  Tha 
iad  fein  's  an  clann  gun  bhiadh  gun  aodach. 
Chan  'eil  na  meadhonan  aca  ;  ach  is  e  an  coire 
fhein  a  tha  ann,  agus  coire  chuireas  Dia  ri  an 
cunntas  luath  no  mall.  Na  biodh  anam  a  tha 
air  ainnreachadh  air  Criosd  ciontach  as  a'  mhi- 
chliu  so. 

Tha  cuid  eile,  agus  tha  iad  a'  cosnadh,  ach  a' 
caitheamh  na  choisneas  iad,  air  an  61.  Cha 
luaithe  a  gheibh  iad  am  paigheadh  latha  no 
seachduin  no  sud  do'n  tigh-osd  iad  leis,  gus  an 
61  iad  a'  pheighinn  dheireannach  dheth,  biodh 
iad  fein  'san  teaghlaichean  a'  trasgadh  an  sud 
fad  na  seachduin.  Na  daoine  truagha  !  Tha 
iad  a'  deanamh  croin  orra  fhein,  agus  air  na 
creutaraibh  a  dh'earb  Dia  riu  air  iomadh  d6igh. 
Tha  iad  so  a'  deanamh  croin  diibailte  dhaibh 
fein — cron  ann  a  bhi  cumail  o'n  chorp  na  nithean 
a  tha  feumail  air  a  shon  ;  agus  cron  ann  a  bhi 
milleadh  am  maoin  air  mhodh  a  tha  calldach 
araon  d'an  anam  's  d'an  chorp.    O  !  smuainich- 


eadh  iad  so  ciod  tha  iad  a'  deanamh.  Cuimh- 
nicheadh  iad  ciod  an  cron  tha  iad  a'  deanamh 
orra  fein,  agus  'eil  oidhche  Shathurn  no  Shabaid, 
no  oidhche  no  la  eile,  a  bhuilich  iad  air  an  ol, 
nach  labhair  fhathast  'n  an  aghaidh,  agus  nach 
bi  searbh  dhaibh.  O  nach  gabhadh  luchd  na 
misg  rabhadh  o  so  !  Agus  a  thuilleadh  air  so, 
agus  air  na  h-uile  truaighe  eile  tha  leantainn  a 
pheacaidh  so  air  thalamh,  nach  cuimhnicheadh 
iad  gu  bheil  coinneachadh  aca  ri  thoirt  do  Dhia 
anns  a'  bhreitheanas,  far — an  ait  a'  chupain  leis 
an  robh  iad  a'  riarachadh  am  miann  shalaich 
so — an  cuir  e  cupan  de  fhion  dearg  neo  mheas- 
gaichte  a  chorruich  'nan  lamhaibh,  nach  61  iad 
a  mach  tre  shaoghal  nan  saoghal  !  Ach  mo 
thruaighe  gu  bheil  cuid  an  deidh  sin  uile  agus 
gur  fearr  leo  an  cunnart  a  ghabhail  de  na  h-uile 
ni  tha  rompa,  no  an  deoch  a  thoirt  thairis  ! 
Cosmhail  ri  duine  air  a  bheil  iomradh  againn 
ann  an  eachdraidh  bha  call  a  radhairc  leis  an 
deoch  agus  a  chuir  a  chomhairle  ri  leighich 
ainmeil  a  bha  'san  ait  ;  agus  air  do'n  leighich  a 
radh  ris,  "  Ma's  aill  leat  an  solus  a  mhealtuinn 
th6ir  thairis  an  deoch,"  'se  thuirt  e  :  "  Slan 
leat,  ma  seadh,  a  sholuis  aoibhnich."  Mar  sin 
tha  iomadh  ag  radh  le  an  gniomharaibh,  ged 
nach  abair  iad  le  am  briathraibh  e  :  "  Slan  leat 
a  Chriosd  !  Slan  leat,  a  Spioraid  Naoimh  ! 
Slan  leat  a  sholuis  agus  a  shonais  shiorruidh  ! 
Thugar  dhuinne  an  deoch.  Itheamaid,  61amaid 
bitheamaid  subhach  oir  am  maireach  gheibh  sinn 
bas  !  "  O  !  a  dhaoine  truagh,  cluinnibh  aon 
uair  fhathast  guth  an  Tighearna  leis  nach  aill 
bhur  dol  am  inugha,  agus  a  tha,  ag  radh  ris 
gach  anam  air  leth  agaibh,  na  dean  cro?i  ortfein. 

Tha  an  Tighearna  anns  na  briathraibh  so,  gun 
teagamh,  a  labhairt  ruinn  a  thaobh  ar  n-anaman 
neo-bhasmhor,  agus  a'  toii-measg  cron  air  bith 
a  dheanamh  orrasan.  Ach  gidheadh  sin  tha 
daoine  a'  deanamh  cron  air  an  anamaibh  agus 
mar  sin  a'  dol  an  aghaidh  aithne  agus  ughdaras 
Dhe  anns  na  briathraibh  so.  Tha  daoine  dean- 
amh sin  ann  an  tri  doighean  agus  'g  a  dheanainh 
(mur  bi  iad  air  am  bacadh  trath)  gu  am  mil- 
leadh siorruidh  fein. 

1.  Anns  a' cheud  ait.  Tha  daoine  a' deanamh 
cron  air  an  anamaibh  le  a  bhi  dol  air  an  adhart 
agus  a'  buanachadh  anns  an  pheacadh.  Tha  an 
t-anam  ann  an  staid  chaillte.  Is  e  claidheamh 
da-riribh  tha  's  am  pheacadh,  a  tha  an  duine  a 
sathadh  na's  fhaide  agus  na's  fhaide  a  steach  gu 
anam  leis  a'  h-uile  ceum  a  tha  e  dol  air  adhairt 
's  an  staid  sin,  no  peacadh  tha  e  cur  gniomh. 
Mar  so  tha  e  dol  air  adhart  ann  an  obair 
uamhasach  an  fhein-mhoirt.  O,  nach  creideadh 
peacaich  so  a  tha  dol  air  adhart  gu  dana  anns  a' 
pheachadh  !  Creid  e  fhir  na  misge  ;  Creid  e 
fhir  nam  mionnan  ;  Creid  e,  fhir  brisidh  na 
Sabaid  ;  creid  e  thusa  cia  b'e  air  bith  thu,  a 
tha  beo  ann  am  peacadh  air  bith,  's  a'  gabhail 
tlachd  no  toil-inntinn  ami. 


NA  DEAN  CRON  ORT  FEIN— NAIGHEACHD  DO  'N  CHLOINN 


2.  'Sa?t  dara  aite.  Tha  iad  a'  deanamh  cron 
air  an  ananiaibh  fein  a  tha  beo  ann  am  nii- 
churam  m'n  timchioll.  Diiisgibh  ;  biodh  eagal 
oirbh  roimh  bhur  nii-churam  is  bhur  fois.  Is 
iad  so  cunnart  as  mo  na  h-uile  cunnart  eile  tha 
co-cheangailte  i-i  bhur  staid.  Ma  sguabas  a' 
phlaigh  leatha  sibh,  aims  an  staid  's  a  bheil 
sibh  cha  chuir  siorruidheachd  an  ceill  bhur 
truaighe.  Is  truagh  iad  a  chiodleas  foipe.  Is 
truagh  iad  a  choidleas  a  mach  i !  Uime  sin  deir 
an  Tighearna,  mosgail  thusa  tha  ad  chodal, 
agus  eirich  o  na  mairbh,  agus  bheir  Criosd 
solus  duit. 

3.  'Santreasait.  Tha  daoine  a' deanamh  croin, 
agus  mor  chron  air  an  ananiaibh  le  bhi  diultadh 
na  slainte,  agus  an  rathad  leighis  a  dh'  ullaich 
Dia  air  an  son.  Is  i  so  an  t-t-slainte  a  dh'ullaich 
Dia  air  son  nam  peacach  :  slainte  tre  fhuil  a 
mhic  fein  !  Slainte  iomlan  ;  slainte  shiorruidh  ! 
O,  nach  gabhamaid  iongantas,  nach  biomaid 
baithte  ann  an  iongantas  ris  a'  ghradh  sin  ann 
an  Dia  a  dh'ullaich  a  leithid  so  a  Shlknuighear, 
is  o'n  d'eirich  a  leithid  so  a  shlainte — gradh 
air  nach  'eil  tomhais,  ach  gloir  pearsa  Chriosd, 
agus  toillteanas  neo-chriochnach  na  fola  a  dhoirt 
e  !     "  Oir  is  ann  mar  so  a  ghradhaich  Dia  an 


saoghal — gu'n   d'thug  e  aon-ghin  mhic   fein  " 
(Eoin  iii.  16). 

Agus  tha  an  t-slainte  so  air  a  tairgse  dhuinn 
le  Dia  anns  an  t-Soisgeul — air  a  tairgse  gu  saor, 
gun  airgiod,  gun  luach — air  a  tairgse  do  na 
h-uile  gun  eadar-dhealachadh  sam  bith  a 
bhi  air  a  dheanamh — air  a  tairgse  do  na  h-uile 
mar  pheacaich  ;  seadh  do  na  peacaich  as  mo  a 
tha  mach  a  ifrinn  (Is.  i.  18,  agus  Iv.  1-3) — chan 
e  sin  a  mhain  ach  tha  Dia  'g  ar  gairm  gu  gabhail 
rithe,  agus  gabhail  rithe  tre  chreidimh  ;  's  e 
sin,  tre  bhi  creidsinn  teisteas  Dhe  'n  a  fhocal 
d'a  taobh  ;  a'  creidsinn  gur  esan  a  tha  labhairt, 
gu  bheil  e  labhairt  ruinne,  agus  a'  nochdadh 
Chriosd  a  mach  dhuinn,  agus  uile  bheannachdan 
na  slainte  annsan  ;  seadh,  gu  bheil  e  ag  aithne 
dhuinn  creidsinn  'na  Mhac,  air  chor  as  nach  ur- 
rainn  duinn  esan  a  dhiiiltadh  gun  a  bhi  deanamh 
tarcuis  air  tiodhlac  do-labhairt  Dhe,  agus  a  bhi 
ciontach  a  eas-umlachd  Dha.  Tha  na  nithean 
so  air  an  cumail  a  mach  dhuinn  cho  soilleir  air 
feadh  na  firinn,  is  gur  gann  a  tha  feum  air  mi 
a  dh'ainmeachadh  earrannan  fa  leth  a  chum  a 
bhi  'g  an  daingneachadh  dhuibh.  Ach  faodaidh 
sibh  sealltain  ri  Eoin  iii.  14-18,  36  ;  1  Tes.  ii. 
13  ;  1  Eoin  iii.  23.  D.  na  Toiseachd. 


Naigheachd  Do  'n  Chloinn 


rriHA  fhios  aig  parantan  is  luchd-teagaisg 
-I-  gu  bheil  clann  na's  gaolaiche  air  naigheachd 
na  tha  iad  air  searmon.  Agus  direach  niar 
a  chuireas  an  t-iasgair  biathadh  air  a  dhu- 
bhan  a  reir  an  t-seorsa  eisg  a  tha  dhith  air, 
tha  sinn  a'  cur  sios  na  naigheachd  a  leanas, 
an  dochas  gu'n  leugh  parantan  d'  an  cloinn  i. 

"  O  chionn  fhada  nan  cian  bha  caileag  bheag 
a'  fuireach  leatha  fein  ann  am  bothan  beag 
air  oir  a'  mhonaidh.  B'e  Mairi  ainm  na  caileig, 
agus  bha  i  'na  dilleachdan.  Shiubhail  a  mathair 
an  uair  a  bha  Mairi  cho  off  's  ffur  g-ann  eru  robh 
cuimhne  aice  oirre.  Bha  i  air  a  fagail  gvm 
bhrathair,  gun  phiuthar,  gun  chompanach  ; 
gun  duine  a  bhuineadh  dhi  ach  a  h-athair,  beisd 
mhosach  a  bhiodh  ag  61  a  h-uile  sgillinn  a 
choisneadh  e,  comhla  ris  a'  mhuillear  dhubh  is 
graisg  eile  na  diithcha. 

Bha  am  monadh  'na  aite  boidheach  anns  an 
t-samhradh,  'nuair  a  bhiodh  blaths  na  greine 
a'  cur  nan  eun  gu  seinn,  agus  a  bhiodh  ana 
fraoch  air  dhath  an  fhiona.  Ach  cha  robh  e 
idir  cho  boidheach  anns  a'  gheamhradh,  'nuair 
a  sheideadh  na  gaoithean  le  sgread  eagallach, 
agus  a  bhiodh  na  clacha-meallain  a'  toirt  cnag 
air  an  uinneig.  Air  oidhcheannan  dorcha 
stoirmeil,  an  uair  a  bhiodh  a'  ghaoth  a'  fea- 
daireachd  anns  an  t-simileir  agus  mu  oisinnean 
an  tighe,  shaoileadh  Mairi  gu  robh  i  a'  cluinntinn 
guth  tiamhaidh  is  gearan  tiirsach  mar  ghlaodh 
duine  ann  an  eiginn  bais.     An  uair  nach  biodh 


oaice  a  chula  ireadh  i  anns  a'  chruisgein  's  a 
bhiodh  an  tigh  dubh  dorcha,  shaoileadh  i  gu 
robh  i  a'  faicinn  anns  an  dorchadas  daoine  air 
an  robh  aghaidhean  coimheach  is  cruth  neonach. 
Ach  cha  robh  uiread  eagail  oirre  romhpa  's  a 
bhiodh  oirre  an  uair  a  thigeadh  a  h-athair 
dhachaidh  air  an  daoraich.  Gle  bhitheanta 
cha  tigeadh  e  dhachaidh  idir,  agus  an  oidhche 
nach  tigeadh,  bhiodh  cridhe  Mairi  air  chrith 
le  eagal  gu'n  do  thuit  e  ann  am  poU-moine  's 
gu'n  do  bhathadh  e. 

Bha  Mairi  'na  caileig  thapaidh,  agus  dh' 
ionnsaich  i  sniomh  is  figheadh.  Anns  a'  ghe- 
amhradh bhiodh  i  a'  sniomh  air  a'  chuibhil  a 
dh'  fhaff  a  mathair  aice.  affus  a'  fiffheadh 
stocainnean  dhi  fein  's  d'a  h-athair.  Bha 
beagan  chearc  aice  cuideachd,  agus  leis  na 
h-uighean  bha  i  a'  cumail  an  tighe,  'nuair 
nach  tugadh  a  h-athair  airgiod  dhi. 

Cha  robh  i  riamh  ann  an  sgoil  no  ann  an 
eaglais,  oir  cha  do  ghabh  a  h-athair  suim  an 
cothrom  sin  a  thoirt  dhi.  Cha  b'  urrainn  i 
leughadh,  agus  cha  b'  aithne  dhi  lirnuigh  ach 
rann  bheag  a  dh'  ionnsaich  a  mathair  dhi,  'nuair 
a  bha  i  'na  leanabh.  Cha  do  dhichuimhnich 
Mairi  an  rann  sin,  ged  a  bha  iomadh  bliadhna 
o  shiubhail  a  mathair  ;  agus  cha  deachaidh  i 
riamh  a  laighe  gun  an  rann  a  radh. 

(hi'n  dionadh  Dia  nan  gras  ar  tigh, 
Gu'n  dionadh  abstoi]  Dhe  ar  doriis, 
Oii'n  dionadh  ainglean  Dhe  mo  leaba, 
Dithis  aig  a  ceann  is  dithis  aig  a  casan. 


NAIGHEACHD  DO  'N  CHLOINN 


Cha  robh  fhios  aice  c6  iad  na  h-abstoil,  agus 
cha  mho  a  bha  fhios  aice  c6  iad  na  h-ainglean, 
oir  cha  robh  BiobuU  aice,  agus  ged  a  bhitheadh, 
cha  b'  uvrainn  i  a  leughadh.  Ach  a  h-uile 
oidhche,  an  am  dol  a  laighe,  rachadh  i  air  a 
gliiinean  is  dh'  abradh  i  an  rann  a  dh'  ionnsaich 
a  mathair  dhi. 

Bha  Mairi  'na  creutair  sunndach,  sona,  dich- 
iollach,  agus  bha  ionghnadh  nach  bu  bheag 
air  daoine,  ciamar  a  dh'  fhas  fliir  cho  boidheach 
ann  an  garadh  an  drongair.  Bha  i  cho  neo- 
chiontach  ris  na  h-uain  a  bhiodh  a'  leumartaich 
air  an  tolman  uaine  a  bha  air  chiil  an  tighe, 
agus  is  e  an  aon  rud  a  bha  cur  dragh  oirre,  's  a 
chuireadh  sgail  air  a  h-aodann  's  air  a  cridhe, 
a  bhi  faicinn  a  h-athar  a'  tighinn  dhachaidh 
air  an  daoraich. 

Chaidh  bhadhnachan  seachad,  agus  thoisich 
monmhur  anns  an  diithaich  gu  robh  rud-eigin 
nach  robh  cneasda  a'  dol  air  aghaidh  ann  am 
bothan  Mairi.  Bha  e  air  a  radh  gu'm  facas 
daoine  'g  an  criibadh  fein  anns  an  dorchadas 
tirachioll  an  tighe,  aig  am  a  dh'  oidhche  am  bu 
choir  do  dhaoine  onorach  is  measail  orra  fein 
a  bhi  'nan  leabaidh.  Agus  a  thuilleadh  air  sin, 
gu  robh  solus  ri  f  haicinn  gu  beul  an  latha  troimh 
sgaraidhean  anns  an  dorus,agus  anns  an  uinneig, 
ged  a  bha  an  dorus  air  a  chrannadh.  B'  aithne 
do'n  diithaich  uile  nach  robh  ann  an  athair 
Mairi  ach  droch  sgealb,  agus  b'  e  barail  dhaoine 
gu  robh  e  ann  an  co-bheinn  ri  meirlich  is 
smuglairean.  Co  dhiu.  bha  iad  cinnteach  nach 
bu  rud  maith  sam  bith  a  bha  dol  air  aghaidh 
ann  an  tigh  a'  mhonaidh. 

Latha  de  na  laithean  bha  coigreach,  seann 
duine  liath  air  an  robh  coslas  uasal  is  eireachdail, 
a'  dol  thar  a'  mhonaidh,  agus  stad  e  aig  an  dorus 
a  dh'  iarraidh  dibhe.  Thug  Mairi  sin  dha  gu 
h-aoibheil.  Chunnaic  an  seann  duine  gu  robh 
a'  chaileag  cho  modhail  's  a  bha  i  boidheach, 
agus  air  dha  beachd  a  ghabhail  air  a  sicireachd, 
dh'  fhan  e  greis  aig  an  dorus  a'  bruidhinn  rithe. 
M'  an  d'  fhalbh  e  thug  Mairi  chaomh  each- 
draidh  a  beatha  dha  air  fad  ;  dh'  innis  i  dha  gu 
saor  uimpe  fein,  agus  mu  na  cearcan  agus  mu'n 
chuibhil  ;  ach  aon  ni  cha  d'innis  i,  gu  robh  a 
h-athair  'na  dhrongair.  "  Tha  mi  faicinn," 
ars'  an  seann  duine,  "  gur  caileag  mhaith  thu  ; 
am  bi  thu  ag  urnuigh."  "  Tha  eagal  orm," 
arsa  Mairi,  "  nach  aithne  dhomh  urnuigh  cheart, 
ach  bithidh  mi  ag  radh  facail  a  dh'  ionnsaich 
mo  mhathair  dhomh,  m'an  teid  mi  a  laighe." 
Agus  ghabh  i  dha  an  rann, 

Gu'n  dionadh  Dia  nan  gras  ar  tigh, 
Gu'n  dionadh  ahstoil  Dhe  ar  dorus, 
Gu'n  dionadh  ainglean  Dhe  mo  leaba, 
Dithis  aig  a  ceann  is  dithis  aig  a  casan. 

"  Cha  b'  urrainn  dhuit  urnuigh  a  b'  fhearr 
a  radh,"  ars'  an  duine  le  Dia  (oir  is  e  sin  a  bha 
ann),  "  lean  thusa  air  an  urnuigh  sin  agus 
gabhaidh  Dia  ciiram  dhiot." 


An  uair  a  rainig  an  coigreach  an  clachan  dh' 
f  heoraich  e  de  dhuine  no  dha  a  thachair  ris  mu'n 
chaileig  a  bha  fuireach  anns  a'  bhothan  air  oir 
a'  mhonaidh.  Am  measg  nithean  eile  dh' 
innis  iad  dha  mu  'n  t-solus  a  bha  ri  f haicinn 
ann,  agus  mu  na  daoine  a  bhiodh  a'  sgiathalaich 
mu'n  cuairt  an  tighe  an  deidh  mheadhon- 
oidhche.  Cha  do  chreid  an  seann  duine  an 
tuaileas  a  thog  muinntir  a'  chlachain  air  tigh 
a'  mhonaidh,  oir,  ars'  esan  ris  fein,  "  tha 
neochiontas  a  cridhe  ri  fhaicinn  ann  an  gniiis 
Mairi."  Ach  chuir  e  roimhe  gu'n  rannsaich- 
eadh  e  an  gnothuch. 

Oidhche  araidh,  gun  ghuth  a  radh  ri  duine 
beo,  thog  an  seann  duine  air  agus  rinn  e  air  a' 
bhothan.  Bha  an  oidhche  dorcha  agus  an  t- 
slighe  fada,  ach  thagh  e  a  cheum  le  solus 
lochrain  a  bha  fo  chleoca.  Bha  an  oidhche 
ciiiin,  gun  fhuaim  a'  briseadh  samhchair  a' 
mhonaidh  ach  guileag  thiamhaidh  na  feadaig. 
An  uair  a  rainig  e  a  cheann-uidhe  chuir  e  as  an 
lochran  agus  sheas  e,  ag  amharc  air  a'  bhothan. 
Cha  robh  e  fada  'na  sheasamh  an  uair  a  chunnaic 
e  solus  aig  bonn  an  doruis,  agus  direach  mar  a 
dh'  innis  muinntir  a'  chlachain  dha,  daoine  'nan 
seasamh  fo  anainn  an  tighe,  a'  cagartaich  r'a 
cheile.  Chuir  na  chunnaic  e  doilgheas  air  cridhe 
an  t-seann  duine,  oir  cha  bu  mhaith  leis  a 
chreidsinn  gu  robh  cuid  aig  Mairi  anns  an  olc, 
ach  an  ath  mhionaid  las  a  chorruich  agus  leum 
e  a  dh'  ionnsuidh  an  tighe,  a  thoirt  achmhasan 
do  na  daoine.  Ach  ma  leum,  cha  do  theich 
iadsan,  agus  cha  mho  a  ghabh  iad  eagal.  An 
uair  a  chunnaic  e  so  las  e  an  lochran  agus  chaidh 
e  dliith  dhaibh.  Ach  an  uair  a  chunnaic  e  an 
aodann  le  solus  an  lochrain,  thuit  an  duine  le 
Dia  aig  an  casan  ann  an  riochd  mairbh.  Oir 
bu  daoine  iad  nach  buineadh  do  'n  t-saoghal  so, 
sgeadaichte  ann  an  culaidhean  fada  agus  iad 
mor  is  maiseach.  Anns  a'  mhionaid  thuig  e 
CO  iad,  oir  bha  an  da  iuchair  mhor  ann  an  laimh 
Pheadair.  Lub  an  duine  le  Dia  a  ghlun  a  chum 
urram  a  thabhairt  do  na  h-abstoil  naomha,  ach 
m'  an  do  thog  e  suas  a  shiiilean,  chaidh  iad  as 
an  t-sealladh. 

Bha  gath  soluis  fathast  ri  fhaicinn  ann  an 
sgaraidhean  an  doruis  agus  na  h-uinneig,  ach 
an  uair  a  sheall  an  duine  le  Dia,  is  e  so  an 
sealladh  a  chunnaic  e,  Mairi  bheag  'na  suain 
chadail  air  leaba  iosal,  agus  ceithir  ainglean  a' 
dion  na  leapa,  dithis  aig  a  ceann  is  dithis  aig 
a  casan. 

Dh'  fhag  e  an  tigh  gu  failidh  air  eagal  gu'n 
duisgeadh  e  i,  ach  sheall  e  air  ais  agus  feuch, 
bha  an  da  fhear  dheug  'nan  seasamh,  a'  dion 
an  doruis.  Phill  an  seann  duine  dhachaidh,  a' 
toirt  buidheachais  do  Dhia  air  son  a  mhaitheis, 
agus  fad  a  bheatha  bha  am  facal  so  'na  chridhe 
agus  'na  bheul, 

Bheir  e  aithne  d'a  ainglean  mu  d'  thimchioU 
Chum  do  ghleidheadh  ann  ad  shlighean  uile. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


Is  aithne  dhomh  duine  no  dha  aig  a  bheil  an  da 
shealladh — co  dhiu  tha  e  aii-  a  radh  gu  bheil  e 
aca — ach  cha  chuala  mi  riamh  iomradh  air  duine 
a  dh'fheiich  ri  feum  niaith  a  dheanamh  de  'n 
dara  sealladh  ach  aon  taillear  an  Cille-sgumain. 
Is  trie  a  tha  an  taibhsearachd  ann  an  siiilean 
tailleir. 

Dh'  fhas  an  taillear  ud  tinn,  ach  dh'  fhairtlich 
e  air  an  dotair  a  dheanamh  a  mach  ciod  a  bha 
cearr.  Mu  dheireadh  chaidh  e  do  Dhun- 
eideann  a  dh'iarraidh  sgil  a  b'  airde  na  bha  ri 
fhaotainn  an  Cille-sgumain,  ach  m'  an  do  shoc- 
ruich  e  air  fear  sonraichte  air  an  iarradh  e 
comhairle,  choisich  e  sios  is  suas  seachad  air 
leth-dusan  de  thighean  dhotairean  a  bha  air  an 
aon  t-sraid,  agusainm  an  dotair  air  a  h-uile  dorus 
ann  an  litrichean  mora  soilleir. 

Ach  a  thuilleadh  air  an  ainm  a  bha  air  a 
sgriobhadh  air  an  dorus,  chunnaic  an  taillear 
rud  eile  nach  robh  muinntir  Dhun-eideann  a' 
faicinn;  chunnaic  e  'nan  seasamh  aig  gach  dorus 
tamhaisg  nan  daoine  a  fhuair  bas  an  deidh 
dhaibh  a  bhi  fo  laimh  an  dotair  a  bha  ainm  air  a 
sgriobhadh  air  an  dorus.  Aig  moran  de  na 
dorsan  bha  na  tamhaisg  gu  niaith  lionmhor,  ach 
bha  aon  dorus  ann  aig  an  robh  iad  cho  dumhail 
s  gu'm  b'  fheudar  do'n  taillear  taobh  eile  na 
sraide  a  ghabhail.  Ach  bha  aon  dorus  ann  aig 
nach  robh  ach  aon  tamhasg  'n  a  sheasamh,  agus 
ged  b'  fhearr  leis  an  taillear  nach  robh  am  fear 
sin  fhein  ann,  chaidh  e  a  steach  do  thigh  an 
dotair,  is  dh'innis  e  a  ghnothuch. 

Rinn  an  dotair  ris  an  taillear  mar  a  bhios 
dotairean  a'  deanamh  ri  sheorsa  ;  thug  e  dha 
comhaii'le  agus  cungaidh,  agus  an  uair  a  bha  an 
taillear  a'  dol  a  mach  air  an  dorus  thubhairt  an 
dotair  bg  aoibheil  ud  ris,  Tha  mi  anaharrach 
toilichte  { fhaicinn  ;  is  tu  an  dara  duine  a  thainig 
thtigam. 

Tha  de  mheas  agam-sa  air  na  dotairean  's  nach 
ruig  iad  a  leas  oilbheum  a  ghabhail  as  mo  naigh- 
eachd,  ma  bhios  gin  dhiubh  a'  leughadh  nan 
duilleagan  so  ;  is  bitheanta  leo  fein  a  bhi  ag 
innseadh  sgeulachdan  beaga  de'n  t-seorsa  so 
mu  mhinistearan.  Ach  ann  an  ceart  da-rireadh 
bhiodh  e  na  b'  fhasa  lean\  a  chreidsinn  gu  bheil 
daoine  ann  aig  a  bheil  an  da  shealladh  na'm 
bithinn  cinnteach  gu'n  deachaidh  a'  ghibht  sin 
a  chur  gu  feum  riamh  leis  an  flieadhainn  aig  an 
robh  i.  Ach  coltach  ri  iomadh  rud  eile  a  bha 
deacair  is  diomhair  gus  an  d'  fhuaras  solus  is 
eolas  ur  theagamh  gu'm  faicear  ann  an  iiine 
ghoirid  nach  eile  dad  neo-nadurra  anns  an  dara 
sealladh.  Aon  uair  bha  sinn  uile  an  duil  gu 
robh  an  iarmailt  os  ar  cionn  falamh  is  fas,  ach  an 
diugh  tha  fhios  againn  gu  bheil  an  iarmailt  Ian 
de  sheirm  's  de  chagarstaich,  mar  gu'm  biodh 


cumhach  sheilleinean  ;  miltean  is  muilleanan  de 
ghuthan  air  an  giulau  air  sgiathan  no  air 
stuadhan  an  adhair  gu  ceithir  ranna  ruadh  an 
domhain.  I.e  innealan  sonraichte  theid  agad 
air  na  guthan  sin  a  tharruing  gu  d'  chluais,  agus 
tha  an  luchd-ealadhain  a'  feuchainn  ri  innealan 
eile  a  dheanamh  a  thairngeas  gu  d'  shuil  na 
dealbhan  a  tha  anns  an  iarmailt  cho  cinnteach  's 
a  tha  fuaim  innte.  Agus  air  son  na's  aithne 
dhuinne  m'  an  chilis,  nach  fhaod  e  bhith  gu  bheil 
daoine  sonraichte  ann  aig  a  bheil  feartan  'n  an 
cuirp  gu  nadurra  as  urrainn  na  dealbhan  agus 
an  fhuaim  a  tha  anns  an  iarmuilt  a  tharruing  a 
nuas  a  cheart  cho  mhaith  ris  na  h-innealan  a  tha 
an  luchd-ealadhain  a'  deanamh. 

Mu'n  cuairt  an  oisein 

Ach  tha  seorsa  eile  seallaidh  ann  a  tha  ana- 
harrach fasanta  an  drasd,  rud  ris  am  faodar  an 
sealladh  fada  a  radh ;  daoine  a  bhios  a'  leughadh 
comharran  na  h-airasire  agus  a'  tomhasco  ris  a 
bhios  an  saoghal  coltach  ceud  bliadhna,  no  da 
cheud  bliadhna,  'na  dheidh  so.  Ma  tha  na 
nithean  a  bhios  na  daoine  so  a'  faicinn  leis  an 
t-sealladh  fhada  fior  tha  mise  toilichte  nach  bi 
mi  anns  an  t-saoghal  an  uair  a  thig  iad  am 
follais,  CO  dhiu  an  uair  a  thig  cuid  dhiubh. 

Tha  na  daoine  so  ag  radh  gu'n  teid  aca  air 
faicinn  mu'n  cuairt  an  oisein,  agus  nach  'eil  an  la 
fada  air  falbh  an  uair  a  bhios  an  diithaich  fas, 
agus  a  bhios  an  sluagh  uile  air  an  cruinneachadh 
a  stigh  do  bhailtean  mora  ;  na  h-achaidhean  air 
am  fagail  gun  treabhadh,  agus  gun  duine  air 
fhagaii  d'an  aithne  iasgach  a  dheanamh,  no  seal- 
gaireachd,  no  ciobaireachd,  no  aiteach. 

Ma  dh'  fheoraicheas  tu  dhiubh  ciamar  a  bhios 
muinntir  nam  bailtean  mora  sin  air  am  beathach- 
adh  their  iad  riut  gu'n  dean  an  chemist  sin 
na's  fhearr  na  b'urrainn  an  tuathanach  a 
dheanamh  ;  gu'n  dean  e  aran  air  min-saibh  is 
gainmheach  ;  agus  feoil  air  feur  is  feamain  is 
morghan,  feoil  a  bhios  na's  fhearr  na  feoil 
daimh.  Agus  ma  dh'  fheoraicheas  tu  ciod  an 
seorsa  dhaoine  a  bhios  air  an  arach  air  an  doigh 
so  their  iad  nach  bi  feum  aig  a'  ghineil  iir  so  air 
aodach,  no  air  eaglais,  no  air  posadh  ;  bidh  iad 
riiisgte  ach  chan  fhairich  iad  fuachd  no  naire  ; 
bidh  iad  gun  eaglais  a  chionn  nach  'eil  iad  a' 
creidsinn  ann  an  Dia,  agus  nach  'eil  feum  aca 
air  ;  bidh  iad  gun  phosadh  a  chionn  nach  bi 
boirionnaich  a'breith  cloinne  na's  mo,  agus  gu'm 
bi  a'  chlann  air  an  gur  ann  am  bocsaichean  mar 
gu'm  biodh  iseanan  thunnag  no  chearc.  Cha 
bhi  galair  no  bochdainn  no  plan,  no  seann  aois 
anns  an  t-saoghal  hx  so,  oir  fuadaichidh  na 
dotairean  agus  na  chemists  air  falbh  iad,  ach 


ANNS  A'  CHATHAIR— lOSA  ARAIDH 


ciod  as  fheairrd  aii  duine  truagh  sin  mar  bi 
crioch  araidh  eile  aige  'n  a  bheatha  ach  a  bhi 
frithealadh  gu  h-umhail  do  na  h-innealan  a  rinn 
e  fein.     Nach  fhearr  duine  na  seangan  ! 

Grinneas 

Ann  an  toiseach  an  leabhair  amis  an  tug  an 
t-Ollamh  Mac  Ille  Mhicheil  nach  maireann 
sareul  Dheirdre  dhuinn  tha  e  ag  innseadh  mar  a 
fhuair  e  i  am  am  Barraidh. 

"  Fhuair  mi  sgeulachd  ghasda  o  Iain  do 
bhrathair,"  thubhairt  an  t-Ollamh  ri  Alasdair 
Mac  Neill,  seann  duine  aig  an  robh  ealadhain 
an  t-seanachaidh  air  a  laimh. 

"  Ma  ta,  le'r  cead,"  fhreagair  Alasdair,  "  cha 
robh  sgeulachd  ghasda  aig  Iain  mo  bhrath- 
air-sa  riamh.  Bidh  e  riutha  gun  teagamh,  ach 
chan  'eil  aige  ach  sguinn,  agus  cha  chuala  sibh 
riamh  duine  a'  del  an  ceann  sgeulachd  le  cho 
bheag  loinn  ri  Iain.  Ach  ma  dh'  fhaodas  mi 
fheoraich,  ciod  an  sgeulachd  a  thug  e  dhuibh  ?  " 

"  Thug  Deirdre,"  ars'  an  t-OUamh. 

"  Agus  thug  Iain  sgeulachd  Dheirdre  dhuibh  ! 
Sin  agaibh  sgeulachd  is  fhiach  sgeulachd  a 
chantainn    rithe  ;     is    ann    bhuam    fein    a    dh' 


ionnsaich  Iain  i,  ach  chan  'eil  i  aige  ceart  ;  cha 
tug  e  leis  dhi  ach  criomain.  Chaidh  mi  oidhche 
air  cheilidh  do  'n  tigh  aige  agus  e  ris  an  sgeul- 
achd sin,  ach,  a  Mhuire  ghaoil,  cha  robh  loinn  no 
snas  oirre,  agus  chuir  e  dorr  an  orm  a  bhi  ag 
eisdeachd  mo  bhrathar  a'  milleadh  sgeulachd 
mhaith  le  droch  innseadh.  Mu  dheireadh  cha 
b'  urrainn  mi  cumail  orm  f  hein  na  b'  f  haide,  agus 
dh'  fhag  mi  an  tigh  gu  failidh  is  chaidh  mi 
dhachaidh.  Ach  ma's  maith  leibh  a  faotainn 
bheir  mise  dhuibh  Deirdre  o  cheann  gu  ceann, 
oir  tha  i  agam  air  fad,  facal  air  an  f  hacal.  Chan 
'eil  duine  an  diugh  am  Barraidh  aig  a  bheil  i  ach 
mi  fhein  is  Iain,  agus  chan  'eil  aige-san  dhi  ach 
sgonn  an  sud  's  an  so." 

Sin  agad,  a  leughadair,  gaol  an  f  hir-ealadhain 
air  a  cheaird  !  Bheir  e  oilbheum  d'a  shuil  obair 
gun  loinn  fhaicinn,  is  oilbheum  d'a  chluais 
briathran  gun  snas  a  chluinntinn.  Is  coma  co 
dhiu  is  bard  no  saor  e,  tha  iarraidh  aig  an  f  hear- 
ealadhain  air  grinneas.  Cha  robh  ann  an 
Alasdair  Mac  Neill  ach  iasgair  Barracli,  ach  'na 
dhoigh  fhein  agus  a  reir  a  chothroim,  bha  comh- 
aradh  an  fhir-ealadhain  air  a  shiubhal.  Mar 
chinneach,  bha  call  aig  na  Gaidheil  do  ealadhain, 
agus  bu  toigh  leo  grinneas  anns  gach  ni. 


losa  Araidh 


"  losa  araidh. 

losa  araidh. 

Thuirt  Festus  agus  casadh  'n  a  shroin,  agus 
tair  'n  a  ghuth  agus  uabhar  an  Romanaich  'n  a 
cheann. 

losa  araidh. 

Their  an  duine  a  tha  air  a  shlugadh  le 
gnothuichean  an  t-saoghail,  's  e  gabhail  seachad 
le  beas'  diii  is  a  smuaintean  fo  eallach  a  ghnoth- 
uichean  saoghalta.  Tha  speis  neo-chriochnach 
aige  do  dhaoine  eile  agus  do  nithean  a  bharrachd 
air  na  tha  aige  do  mhac  Dhe.  Chan  'eil  ann 
an  creideamh,  ann  an  dochas,  ann  an  gradh  a' 
chriosduidh,  ach  leabhar  fo  sheulachan  dhasan. 
Tha  e  deanamh  anacaitheamh  air  a  bhuadhan 
le  bhi  cosnadh  maoin  agus  'g  a  chosg  moch  an- 
moch. 

losa  araidh. 

Their  am  mi-chreidmheach  aig  a  bheil  tomhas 
de  urram  agus  e  cromadh  a  chinn  le  ciataibh 
mur  bheil  arm  an  aoradh.  Tha  e  faicinn  ann  an 
Criosd  an  ni  as  maisiche  agus  is  urramaiche — 
grainne-mullaich  a'  chinne-daonna.  Ach  tha  e 
diultadh  a  chridhe  fhein  affus  a  bheatha  air  an 


— Gn.  XXV.  19 

t-Slanuighear,  air  a  bheil  feum  cho  mor  aige 
agus  aig  a  bheil  feum  air-san  cuideachd. 

losa  araidh. 

Their  an  criosduidh,  aig  nach  'eil  ach  an  t-ainm 
's  e  toirt  aoradh  foirmeil  dha.  Tha  e  anns  an 
Eaglais  ach  chan  'eil  e  dhe  'n  Eaglais.  Cha  robh 
e  riamh  air  a  bhreith  a  rithisd,  chan  ann  ofhuil, 
710  0  thoil  na  feola,  no  o  thoil  dtdne,  ach  o  Dhia. 
Tha  e  n  a  choigreach  air  gach  ni  spioradail  agus 
diadhaidh,  gach  ni  tha  neimhidh  agus  os  cionn 
naduir. 

losa  araidh. 

Their  an  deisciobuil  iriosal  agus  earbsach, 
agus  anani  uile  'n  a  ghuth  :  is  e  Criosd  Fhaidh 
agus  a  Shagart  agus  a  Righ  ;  a  Leighiche  maith 
agus  a  buachaille  maith  ;  Fear  a  ghraidh  agus 
a  tha  'g  a  ghradhachadh.  Na  h-uile  ni  agus 
barrachd  tha  e  faotainn  annsan.  La  an  deidh 
la  tha  e  tionndadh  ris  mar  a  thionndaidheas  an 
dithean  ris  a'  ghrein.  Oidhche  an  deidh  oidhche 
tha  e  socrachadh  a  chinn  agus  a  chridhe  air 
gradh  uile-fhogainteach  a  Tighearna  mar  al 
chluasag.  O  !  gum  b'e  mo  shochair-sa  ainm 
losa  a  luaidh  anns  an  t-seadh  sin.  Ann  an  sin  a 
mhain  tha  beannachd  an  anam.  Smellie. 


AOIGHEACHD  DO'N  CHOIGREACH 


Aoigheachd  do'n  Choigreach 


a: 


NNS  a  h-uile  leabhai-  a  bha  air  a  sgriobhadh 


siii})hail  tha  iomradh  air  a  dheanamh  air  coibh- 
ncas  is  fialaidheachd  an  t-sluaigh  ;  bha  iad 
daonnan  deas  gu  cuid  na  h-oidhche  a  thoirt  do  'n 
choigreach.  Is  gasda  an  cliu  so  air  sluagh  sam 
bith,  ach  ged  nach  'eil  a'  Ghaidhealtachd  an 
diugh  air  dheireadh  air  aitean  eile  anns  a'  chilis 
so,  tha  aobhar  againn  a  bhi  creidsinn  nach  'eil 
an  aoigheachd  a  b'  abhaist  air  a  thoirt  do  'n 
choigreach  innte.  Tha  aobhar  no  dha  air  an 
atharrachadh  sin.  Tha  tighean-osda  cho  pailt 
anns  an  diithaich  's  gu  bheil  e  furasda  gu  leoir 
do  'n  choigreach  biadh  is  leaba  fhaotainn.  Agus 
am  bitlieantas  tha  ra  coigrich  comasach  air  an 
rathad  fhein  a  phaigheadh  ;  tha  iad  moran  na's 
fhearr  air  an  doigh  na  'n  sluagh  a  tha  iad  'nam 
n\easg.  Ach  ged  nach  bitheadh,  tha  eagal  orm 
nach  f  haigheadh  an  coigreach  an  diugh  o'n  ogha 
an  aoigheachd  a  gheibheadh  e  o  sheanair,  oir 
tha  daoine  air  fas  cho  proiseil  's  nach  iarr  iad 
coigreach  a  steach  d'  an  tigh  gu  biadh  mur  bheil 
tigh  maith  aca  is  biadh  uasal.  Ciod  a  tha  ann 
an  sin  ach  prois  gun  tin-  ?  Bu  duine  suarach  an 
duine  a  shealladh  sios  air  fear  no  bean  choir  a 
thairgeadh  biadh  is  fasgadh  dha,  a  chionn  nach 
robh  anns  an  tigh  aca  ach  bothan  beag,  no  a 
chionn  nach  robh  aca  ach  buntata  is  sgadan.  Is 
dona  an  rud  an  uaisle  ma  chuireas  i  coibhneas 
a  mach  air  an  dorus. 

Chan  ann  a  mhain  ann  an  seann  leabh- 
raichean  a  chi  sinn  gu  robh  meas  aig  na  Gaidheil 
air  aoigheachd  ;  chi  sinn  e  anns  na  sean-fhacail 
a  bha  air  an  cleachdadh  am  measg  an  t-sluaigh. 
Theireadh  iad,  "  Is  farsuingbial  a'  bhothain,"  a' 
ciallachadh  ged  bha  an  tigh  beag  gu  robh  riim 
ann  do   n  choigreach. 

Is  moid  rud  a  roinn. 

Is  sona  gach  cuid  an  comaidh  ;  is  mairg  a 
chromadh  'na  aonar. 

Bheirinn  cuid  oidhche  dha  ged  bhiodh  ceannjirfo 
achlais. 

A'  cheud  sgeul  air  fear  an  tighe,  is  sgeul  gu 
latha  air  an  aoigh. 

Cha  chumar  tigh  le  dorus  ditinte. 

Am  measg  nan  ludhach  bha  aoigheachd  do'n 
choigreach  air  a  chunntas  mar  dhleasdanas  a  bha 
air  iarraidh  orra  le  Dia  agus  a  bha  taitneach  'na 
shealladh.  Chi  sinn  so  ann  an  iomadh  aite  anns 
a'  Bhiobull,  agus  tha  an  cleachdadh  air  a  chumail 
suas  ann  an  duthchannan  na  h-aird  an  ear  an 
diugh  fhathast  moran  na's  fhearr  na  tha  e  n' 
ar  measg-ne.  Chan  'eil  a'  bheag  de  ath- 
arrachadh air  cleachdadh  nam  Bedouin,  anns  an 
Eiphit,  an  Arabia,  is  ann  a  Siria,  a  thaobh  na 
ciiise  so  o  chionn  cheithir  mile  bliadhna  ;    ma 


ruigeas  to  tigh  Arabaich  an  diugh  gheibh  thu 
ann  a'  cheart  chur-air-doigh  a  gheibheadh  tu 
bho  Abraham,  no  bho  lacob,  no  bho  aon  eile  de 
na  seann  aithrichean  a  tha  air  an  ainmeachadh 
anns  a'  Bhiobull.  Is  e  an  cliii  as  fhearr  leis  an 
Arabach  gu  'n  abairteadh  ris  "  duine  aig  am 
bheil  diiann  luaithre  ;  "  an  dunan  luaithre  a' 
ciallachadh  gu'n  d'  fhadaidh  e  moran  thein- 
tean  a  ghreidheadh  bidh  do  choigrich  is  do 
chairdean. 

Tha  facal  eile  aca  a'  moladh  "  duine  a  bhios  a 
choin  a'  comhartaich  ;  "  sin  a'  ciallachadh  gu'n 
treoraich  comhartaich  nan  con  an  t-allabanach 
a  dh'  ionnsaigh  a  dhoruis.  Theirear  ri  maithean 
nan  Arabach  sheikhs,  agus  chan  'eil  meas  sam 
bith  aca  air  sheikh  mur  bheil  e  fialaidh  is  aoigheil 
OS  cionn  a  chumantais.  Tha  biith  no  aite- 
comhnuidh  an  sheikh  am  bitheantas  taobh  an 
rathaid  air  am  faodar  fiughair  a  bhi  ri  coigreach, 
los  gu  'n  toir  e  dha  a'  cheud  fhailte.  Ach  cha 
tionndaidh  eadlion  na  daoine  bochda  am  feum- 
nach  air  falbh  o'n  dorus  gun  bhiadh  is  deoch  is 
leaba  a  thoirt  da  ;  cha  mho  a  shaoileas  iad  gu 
bheil  iad  a'  cur  comain  air  le  sin  a  dheanamh. 
Tha  iad  a'  sealltuinn  air  mar  chothrom  a 
thug  e  dhaibh  an  dleasdanas  a  dheanamh  do 
Dhia. 

Tha  facal  aca  a  tha  ag  radh,  "  Is  e  an  t-aoigh 
tighearna  an  tighe  cho  fhad  's  a  dh'fhanas  e 
ann,"  agus  gu  bitheanta  is  e  an  fhailte  a 
chuireas  iad  air  coigreach,  "  Is  leat  mo  thigh." 
Tha  na  h-Arabaich  cho  mills  siobhalta  'nan 
cainnt  (dh'ith  iad  caob  de  bhonnach-a'-bhros- 
guil)  's  nach  urrainn  thu  daonnan  an  gabhail  aig 
am  facal,  ach  faodaidh  coigreach  a  chreidsinn 
nach  e  modh  a  mhain  a  tha  'nam  beachd  an  uair 
a  their  iad  ris,  "  Is  leat  mo  thigh."  Seasaidh 
fear  an  tighe  an  taobh  a  muigh  gus  an 
iarr  an  t-aoigh  air  tighinn  a  steach  agus 
suidhe  air  urlar  fein.  Cuiridh  e  gach  ni  as 
fhearr  a  tha  aige  air  a  bheulaobh,  agus  chan 
'eil  aig  an  aoigh  ach  a  radh  ciod  a  bu  mhaith 
leis,  agus  gheibhear  dha  e  ma  ghabhas  e  idir 
faotainn. 

Ma's  duine  tiirail  an  t-aoigh  chan  ith  e  na 
chuirear  m'a  choinneamh,  gu  sonruichte  ann  an 
tigh  duine  bhochd  ;  fagaidh  e  a  chorr  los  a 
leigeil  fhaicinn  nach  'eil  gainne  bidh  ann. 
Chuireadh  sin  fear  an  tighe  gu  naire.  An  aite 
e  bhi  as  an  rathad  do  'n  choigreach  am  biadh  a 
mholadh,  tha  modhannan  na  h-aoigheachd  a' 
ceadachadh  dha  sin  a  dheanamh,  ach  cordaidh 
e  ri  fear  an  tighe  na  s  fhearr  mur  abair  an 
t-aoigh  air  a  cheann  gu  bheil  am  biadh  maith, 
ach  ma  dh'  imlicheas  e  a  bhilean  ann  an  doigh  a 
dh'  f  haodar  a  thuiffsinn  ffu  bheil  e  a'  taitinn  ris. 
Ma  thug  e  dhuit  deoch  de  sheorsa  sam  bith,  is  e 


8 


AOIGHEACHD  DO^N  CHOIGREACH 


an  doigh  air  an  deoch  a  mholadh,  a  h-61  gu  reidh, 
a'  blasadaich  le  do  bhilean,  agus  a'  deanamh  na 
fuaini  sin  leo  a  cliluinnear  air  uairean  bodaich 
fheusagach  a'  deanamh  an  uair  a  bhios  iad  ag 
61  rud  teth.  Tha  an  f  huaim  sin  mar  cheol  binn 
ann  an  cluas  an  Arabaich  oir  tha  i  a'  leigeil 
fhaicinn  dha  gu  bheil  an  deoch  a'  cordadh  ris  an 
aoigh.  Bheir  e  oilblieum  mor  dha  ))aigheadh 
a  thairgsinn. 

Aon  uair  's  gu  n  toir  Arabaoh  fasgadh  do 
dhuine  'na  thigh  tha  e  tearuinte,  agus  gheibh  e 
aoigheachd  fad  oidhche  ged  bhiodh  ceann  fir 
fo  achlais.  Cha  ghabhadh  e  cothrom  air  a 
namhaid  cho  fhad  's  a  tha  e  'na  thigh,  oir  tha  an 
t-seann  uaisle  air  a  cumail  suas  leis.  Neo-ar- 
thaing  nach  'eil  na  h-Arabaich  fuileachdach  gu 
leoir  ma  thachras  an  namhaid  riu  air  an  raon  no 
anns  a'  chath,  ach  tha  iad  a'  meas  gu  'm  biodh 
e  'na  ghnothuch  maslach  corrag  a  chur  air 
namhaid  an  taobh  a  stigh  d'  an  geatachan.  B' 
fhearr  leis  an  Arabach  mort  is  meirle  is  adhalt- 
rannas  a  bhi  air  a  chur  as  a  leth  seach  e  bhi  air  a 
radh  gu  'n  do  bhris  e  lagh  na  h-aoigheachd,  no 
gu  'n  do  ghabh  e  cothrom  air  namhaid  a  thainig 
gu  thigh  mar  aoigh.  Tha  e  'na  naire  shiorruidh 
dha  dochunn  a  dheanamh  air  neach  a  dh'  ith 
aran  maille  ris.  Tha  e  mar  fhaichaibh  air  (ma 
bhris  a  namhaid  aran  maille  ris)  aoigheachd  is 
cairdeas  a  nochdadh  dha  gus  am  bi  an  t-aran  a 
dh'  ith  e  air  a  chnamh  gu  h-iomlan  'na  choluinn  ; 
mar  sin  tha  e  a'  toirt  ceithir  uairean  fichead  d'a 
namhaid  gu  bhi  cur  air  a  shon  fein.  Is  e  an 
cleachdadh  so  a  bha  ann  an  inntinn  an  t-sal- 
madair  an  uair  a  thubhairt  e,  "  Esan  a  dh'  ith 
de  m'  aran  thog  e  a  shail  a'  m'  aghaidh." 
Bha  cionta  ludais  an  aghaidh  Chriosd  air  a 
chunntas  na  b'  antromaichte  a  chionn  gu  'n 
do  bhrath  e  e  an  deidh  aran  a  bhriseadh 
maille  ris. 

Is  ann  am  measg  nan  Arabach  a  gheibhear 
cleaehdaidhean  na  h-aird  an  Ear  air  an  cumail 
suas  mar  a  bha  iad  ann  an  laithean  an  t-seann 
Tiomnaidh,  oir  is  iadsan  fior  shiol  na  diithcha  as 
an  d'  fhuair  sinn  am  Biobull,  agus  ma  ruigeas 
tu  biith  Arabaich  an  diugli  fhathast  theagamh 
gu  'n  cluinn  thu  na  ceart  bhriathran  bhuaith  a 
labhair  Abraham  ann  an  comhnard  Mhamre, 
"  Agus  thog  e  suas  a  shliilean,  agus  feuch  bha 
triiiir  dhaoine  a'  seasamh  laimh  ris  ;  agus  an 
uair  a  chunnaic  e  iad  ruith  e  'nan  coinneamh  o 
dhorus  a  bhiitha,  agus  chrom  e  e  fein  gu  lar  ; 
.  .  .  thugaibh  an  so  beagan  uisge,  agus  ionn- 
laidibh  bhur  casan,  agus  bheir  mise  an  so  greim 
arain  agus  neartaichibh  bhur  cridhe.  Agus 
ghreas  Abraham,  agus  thuirt  e  ri  Sarah,  Dean 
cabhag,  taoisinn  tri  miosairean  de  mhin  phliir, 
agus  dean  aran  air  lie  an  teintean.  ..." 

Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  tha  aoigheachd 
do  'n  choigreach  air  a  mholadh.  Tha  an  t-abstol 
Pol  'g  a  ainmeachadh  mar  aon  de  chomharran 
an    fhior    Chriosduidh,    "  a'    comh  -  roinn    ri 


uireasbhuidh  nan  naomh,  a'  gnathachadh  aoigh- 
eachd." Anns  an  litir  gu  Titus  tha  aoigheil- 
eachd  air  ainmeachadh  am  measg  nam  buadhan 
maithe  eile  a  bu  choir  a  bhi  ann  an  easbuig  ; 
anns  an  litir  a  chum  nan  Eabhruidheach  tha  e 
air  iarraidh  oirnn,  "  Na  deanaibh  dearmad  air 
aoigheachd  a  thoii-t  do  choigreach  ;  "  agus  tha 
an  t-abstol  Peadar  ag  radh,  "  Thugaibh  aoigh- 
eachd d'a  cheile  gun  ghearan."  Fhuair  losa 
coire  do  Shimon,  am  Pharasach,  a  chionn  nach 
do  rinn  e  dha  a  reir  cleachdadh  na  duthcha, 
"  Thainig  mi  a  steach  do  d'  thigh  ach  cha  d'thug 
thu  dhomh  uisge  chum  mo  chos  ;  cha  d'  thug 
thu  dhomh  pog  ;  cha  d'  ting  thu  mo  cheann  le 
oladh." 

Do  bhrigh  nach  robh  aite  aig  losa  anns  an 
leagadh  e  a  cheann  bha  e  an  earbsa  ris  an 
aoigheachd  a  bheireadh  a  chairdean  dha.  Agus 
chan  e  mhain  gu  'n  do  mheas  e  mar  f  hireantachd 
an  aoigheachd  a  thug  daoine  caomh  fialaidh  dha 
fhein,  ach  mheas  e  mar  an  ceudna  mar  fhirean- 
tachd  an  aoigheachd  a  bheirear  do  'n  aon  de  na 
braithrean  as  lugha  aige. 

Ann  an  leabhar  Eiphiteach  tha  na  briathran 
so  air  an  cur  ann  am  beul  an  dia  mhoir  a  bhios  a' 
toirt  breith  air  na  mairbh,  "  Leigibh  an  duine 
so  a  steach  oir  tha  na  diathan  a'  deanamh  a 
bheatha  do  'n  aite  so  ;  thug  e  biadh  do  'n 
acrach,  deoch  dhaibhsan  air  an  robh  pathadh, 
agus  chomhdaich  e  an  lomnochd."  Nach  'eil  na 
briatliran  sin  gle  choltach  ris  an  fhacal  a  labhair 
an  Slanuighear,  "  C  uin  a  chunnaic  sinn  a'd' 
choigreach  thu  agus  a  thug  sinn  aoigheachd 
dhuit  ? ' '  Agus  f  hreagair  an  Righ, "  Gu  deimhin  a 
ta  mi  ag  radh  ribh,  a  mheud  's  gu  'n  do  I'inn  sibh 
e  do  aon  de  na  braithrean  as  lugha  agam-sa, 
rinn  sibh  dhomhsa  e." 

Mar  so  faodar  a  radh  gu  cinnteach  gu  'm 
feum  daoine  cunntas  a  thoirt  do  Dhia  aig 
la  a'  bhreitheanais  air  an  doigh  anns  an  do 
choimhead  iad  air  thalamh  lagh  na  h-aoig- 
heachd. Agus  ma  tha  so  fior  c6  a  ghabhadh 
air  fhein  a  radh  gur  suarach  an  eomharra  air 
maitheas  duine  e  a  bhi  aoigheil.  An  uair 
a  chuir  Criosd  a  mach  a  theachdairean  dh' 
iarr  e  orra  gun  sporan  a  bhi  aca,  ach  iad  a 
bhi  an  earbsa  ri  aoigheachd  nan  daoine  a 
rachadh  iad  thuca.  Bha  iad  ri  am  beannachd 
a  thoirt  do  na  tighean  a  ghabhadh  i-iutha, 
ach  cha  robh  aig  na  tighean  nach  deanadh 
sin  ri  fhaotainn  ach  mallachd,  "  Is  so-iom- 
chaire  a  bhitheas  e  do  Shodom  's  an  la  ud, 
na  do  n'  bhaile  sin." 

Tha  aoigheachd,  ma  ta,  a  reir  spiorad  an 
t-soisgeil  ;  uime  sinn  cuimhnicheamaid  a 
ghnath  facal  soluimte  an  t-Slanuigheir,  "  Bha 
mi  a'm'  choigreach  is  thug  sibh  aoigheachd 
dhomh,"  agus  ma  ni  sinn  sin  cha  bhi  sinn  gun 
ar  duais,  aarus  uair  no  uair-eiffin  "  bheir  sinn 
aoigheachd  do  ainghbh  gun  fhios  duinn."— 
Eabfi.  xiii.  2. 


i 


Air  2 


193 


Bunaitean  Eaglais  na  h-Alba 

Cuairtichibh  Sion,  agus  rachaibh  ma  timchioll;  mrmhihh  a  tiiir ;  thugaihh  an  aire  d'a  halla-dionaidh. 


AN  drasd  's  a  ris  tha  sinn  a'  cluinntinn  gu 
bheil  nithean  sonraichte  air  an  cur  as  leth 
Eaglais  na  h-Alba  nach  'eil  fior ;  gu  bheil 
daoine  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  tha  sior  lean- 
tuinn  air  a  radh  nach  fhearr  a  teagasg  agus  a 
creideamh  na  teagasg  is  creideamh  an  ana- 
criosduidh,  agus  nach  'eil  i  a  nis  air  a  steidh- 
eachadh  idir  air  bunaitean  an  Ath-leasachaidh. 
Bu  bhochd  an  gnothuch  sin  na'n  robh  e  fior,  ach 
chan  'eil  aon  f hacal  firinn  ann. 

Tha  Eaglais  na  h-Alba  na's  motha  agus  na's 
cumhachdaiche  agus  na's  seasmhaiche  air  a 
bunaitean  na  gu  ruig  i  a  leas  umhail  a  ghabhail 
do  na  bhios  daoine  nach  buin  dhi  ag  radh 
uimpe,  ach  cha  bu  mhaith  leatha  gu'm  biodh  a 
sluagh  fein  air  am  fagail  gun  fhios  aca  ciod  a 
their  iad  an  uair  a  chluinneas  iad  droch  thuaileas 
de'n  t-seorsa  so  air  a  thogail  oirre.  Co  dhiu  is 
firinn  no  breug  e,  ma  tha  rud  air  a  radh  a  Luan 
's  a  Shathurna,  is  da  uair  air  la  na  Sabaid, 
toisichidh  daoine  air  a  chreidsinn. 

Sin  an  t-aobhar,  ma  ta,  gu  bheil  sinn  a'  toirt 
tarruing  air  an  rud  idir  air  an  duilleig  so,  agus 
gu  bheil  sinn  a'  dol  a  chur  sios  gu  reidh  soilleir, 
facal  air  fhacal,  an  cordadh  agus  an  ciimhnant 
air  a  bheil  Eaglais  na  h-Alba  air  a  suidheachadh. 
Tha  an  cordadh  agus  an  ciimhnant  sin  air  a 
chur  sios  anns  na  h-ochd  Cinn  anns  a  bheil  i  ag 
aideachadh  agus  a'  deanamh  fianuis  air  a 
creideamh  a  thaobh  nithean  spioradail. 

I.  Is  meur  Eaglais  na  h-Alba  de'n  Eaglais 
Naoimh,  Choitchinn  ;  ag  aoradh  do  aon  Dia, 
uile-chumhachdach,  uile-ghlic,  agus  uile-ghradh- 
ach,  an  Trianaid  an  Athar,  a  Mhic,  agus  an 
Spioraid  Naoimh,  a  tha  ionann  ann  an  nadur 
agus  coimeas  ann  an  cumhachd  is  ann  an  gloir  ; 
ag  aoradh  an  Athar  a  tha  iomlan  'n  a  mhorachd  ; 
ag  aideachadh  ar  Tighearn  losa  Criosd,  am 
Mac  Siorruidh,  a  bha  air  a  dheanamh  'n  a 
dhuine  a  thoirt  slainte  dhuinn  ;  a'  deanamh 
uaill  'n  a  chrann-ceusaidh  agus  'n  a  ais-eirigh, 
agus  fo  fhiachaibh  iimhlachd  a  thoirt  da  mar 
Cheann  os  cionn  nan  uile  nithe  d'a  eaglais  ;  ag 
earbsadh  ri  ath-nuadhachadh  agus  ri  treorach- 
adh  an  Spioraid  Naoimh  a  bha  air  a  ghealltainn  ; 
a'  searmonachadh  maitheanas  pheacaidhean 
agus  reite  ri  Dia  tre  chreideamh  ann  an  Criosd, 
agus  tiodhlac  na  beatha  maireannaich  ;  agus 
a'  saothrachadh  gu  bhi  cur  air  aghaidh  riogh- 
achd  Dhe  air  feadh  an  t-saoghail.  Tha  Eaglais 
na    h-Alba    a'     leantuinn    dileas    do'n    Ath- 


leasachadh  ;  a'  gabhail  ri  Facal  Dhe  a  tha  air 
a  chur  sios  ann  an  sgriobtuiribh  an  t-Seann 
Tiomnaidh  agus  an  Tiomnaidh  Nuaidh  mar  an 
riaghailt  as  airde  a  thaobh  creidimh  is  beatha; 
agus  ag  aideachadh  teagasg  is  firinnean  mora 
a'  Chreidimh  Choitchinn  a  tha  air  an  steidh- 
eachadh  air. 

II.  A  mach  o  Fhacal  Dhe,  agus  fo  Fhacal 
Dhe,  is  e  an  riaghailt  eile  a  tha  aig  Eaglais  na 
h-Alba  a  thaobh  teagaisg  is  creidimh  Leabhar 
Aidmheil  a'  Chreidimh,  a  bha  air  gabhail  ris 
leis  an  Ard  Sheanadh  an  1647,  anns  am  faighear 
suim  is  brigh  a'  chreidimh,  creideamh  na  h- 
Eaglais  Ath-leasaichte.  Is  e  modh-riaghlaidh 
na  h-eaglais  an  doigh  Chleireachail  ;  le  Seis- 
eanan,  Cleirean,  Seanaidhean,  is  Ard  Sheanadh  ; 
agus  a  thaobh  aoraidh,  is  ministrealachd,  is 
smachdachaidh,  tha  i  a'  leantuinn  nan  riaghail- 
tean  a  bha  air  an  cur  sios  ann  an  Riaghailtean  a 
thaobh  Aoraidh,  agus  ann  an  Foirm  Riaghlaidh 
na  h-Eaglais  air  a'  Mhodh  Chleireachail,  mar  a 
bha  iad  sin  air  am  mineachadh  no  air  an 
atharrachadh  le  achd  an  Ard  Sheanaidh,  no 
mar  dh'  fhaodas  iad  a  bhi  air  am  mineachadh 
no  air  an  atharrachadh  le  achd  an  Ard 
Sheanaidh. 

III.  Is  e  an  eaglais  so,  gun  ag,  Eaglais  na 
h-Alba  a  bha  air  a  h-ath-leasachadh  an  1560,  a 
bha  a  saorsa  air  a  seulachadh  an  1592,  agus  a 
bha  a  coraichean  air  an  deanamh  cinnteach  dhi 
le  Ciimhna7itan  an  Aonaidh  eadar  an  da  rioghachd 
an  1707.  Agus  buinidh  ainm  is  inbhe  Eaglais 
na  h-Alba  dhi,  gun  ag,  ged  tha  i  a  nis  a'  cur  a 
mach  nan  ochd  Ceann  so  as  iir,  gu  bhi  deanamh 
fianuis  air  a  creideamh  a  thaobh  nithean 
spioradail.  Mar  eaglais  na  Tire,  a  tha  seasamh 
air  brigh  is  gne  na  diadhaidheachd  a  bha  agus 
a  tha  comharrachadh  sluagh  na  h-Alba,  tha  i 
ag  aideachadh  gu  bheil  e  mar  fhiachaibh  oirre 
gu  sonraichte  orduighean  agus  sochairean  an 
t-soisgeil  a  thoirt  do  gach  sgireachd  anns  an 
diithaich,  le  ministrealachd  shuidhichte. 

IV.  Mar  mheur  de'n  Eaglais  Choitchinn  anns 
an  do  shuidhich  an  Tighearn  losa  Criosd  luchd- 
dreuchd,  chum  an  eaglais  a  bheathachadh  agus 
a  riaghladh,  tha  coir  is  ughdarras  aig  eaglais 
na  h-Alba  riaghailtean  no  laghanan  a  dheanamh, 
agus  breith  a  thabhairt  ann  an  cuisean  a 
bhuineas  do  theagasg,  do  aoradh,  do  riaghladh, 
agus  do  smachdachadhj  anns  an  eaglais.     Tha 


2 


BUNAITEAN  EAGLAIS  NA  H-ALBA 


an  t-ughdarras  sin  aice  o  Chriosd  agus  o 
Chriosd  a  nihain,  a  Righ  neamhaidh  agus  a 
Ceann ;  anns  na  cuisean  sin  chan  'eil  i  fo 
cheannsal  chiiirtean  lagha  na  rioghachd.  Tha 
so  a'  ciallachadh  am  measg  nithean  eile,  gur 
ann  aig  an  Eaglais  i  fein  a  tha  coir  air  gach  uile 
cheist  a  shocruchadh  a  bhuineas  do  nithean 
spioradail,  c6  dha  a  bheirear  sochairean  na  h- 
eaglais,  c6  a  chuirear  ann  an  dreuchd  innte  ; 
CO  a  bhios  'n  am  buill  innte  ;  ciod  an  doigh  anns 
an  sonraichear  luchd-dreuchd,  agus  ciod  na 
riaghailtean  a  nithear  mu  obair  mhinistearan 
agus  luchd-dreuchd  eile.  Ciod  air  bith  an  doigh 
anns  am  faod  na  ciiirtean  lagha,  no  lagh  siobh- 
alta  na  rioghachd,  iighdarras  is  coraichean  na 
h-eaglais  aideachadh  ann  an  nithean  spioradail, 
chan  'eil  an  t-aideachadh  sin  a'  ciallachadh 
gur  ann  uapa-san  a  tha  i  a'  faotainn  an  iighdar- 
rais  sin  ach  o  Cheann  na  h-eaglais  air  neamh 
agus  uaith-san  a  mhain,  agus  cha  mho  a  tha  e  a' 
ciallachadh  gu  bheil  coir  air  bith  aca  gnothuch 
a  ghabhail  ri  gniomharan  na  h-eaglais,  no  ris  a' 
bhinn  a  bheir  i  a  mach  ann  an  cuisean  spiora- 
dail. 

V.  Tha  coir  is  iighdarras  aig  Eaglais  na  h* 
Alba  a  riaghailtean-suidhichte  fein  a  dheanamh 
_a  thaobh  teagaisg  is  creidimh,  na  riaghailtean- 
suidhichte  a  tha  aice  a  mach  o  Fhacal  Dhe  agus 
fo  Fhacal  Dhe  ;  coir  is  iighdarras  a  radh  cuid- 
eachd  ciod  an  seadh  anns  a  bheil  i  a'  gabhail  ri 
Leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh  ;  tha  coir  is 
iighdarras  aice  sealltainn  thairis  air  briathran 
air  bith  anns  an  Leabhar  sin  nach  'eil  a  reir  a 
teagaisg  agus  an  ceartachadh,  air  neo  riaghail- 
tean-suidhichte eile  a  chur  'n  an  aite,  ach 
feumaidh  sin  uile  a  bhi  a  reir  Facal  Dhe  agus 
a  reir  suim  is  brigh  a'  Chreidimh  Chriosduidh 
mar  a  tha  e  air  a  chur  sios  ann  an  Leabhar 
Aidmheil  a'  Chreidimh.  Is  e  an  eaglais  fein  as 
breitheamh  air  a'  chilis,  co  dhiubh  a  tha  no 
nach  'eil  teagasg  air  bith  a  reir  Facal  Dhe  agus 
a  reir  suim  is  brigh  a'  Chreidimh  Chriosduidh, 
agus  tha  e  iomchuidh  gu'n  tugadh  i  saorsa 
coguis  do  dhaoine  ann  am  puingean  beaga  nach 
buin  do  chridhe  na  diadhaidheachd.  Tha  coir 
is  iighdarras  aig  an  Eaglais  na  nithean  so  uile 
a  dheanamh,  gun  an  cur  an  cead  uachdaranach- 
dan  na  rioghachd,  ma  theid  i  air  an  ceann  gu 
ciiramach  agus  gun  chabhaig,  faiceallach  nach 
dean  1  mearachd. 

VI.  Tha  Eaglais  na  h-Alba  ag  aideachadh  gu 
bheil  an  t-uachdaran  saoghalta  air  orduchadh 
le  Dia,  agus  gu  bheil  iighdarras  aige,  an  taobh- 
a-stigh  d'a  chriochan  fein  ;  gur  e  dleasdanas 
na  rioghachd  an  diugh  mar  anns  na  laithean  o 
shean  umhlachd  a  thoirt  do  Dhia  mar  rioghachd, 
an  Tighearna  losa  Criosd  aideachadh  mar  Righ 
OS  cionn  nan  uile  rioghachdan,  a  laghanan  a 
choimhead,  urram  a  thabhairt  d'a  orduighean 
urram.  a  thabhairt  d'a  eaglais,  agus  rioghachd 


Dhe  a  chur  air  aghaidh  anns  an  t-saoghal  anns 
gach  doigh  f hreagarrach. 

Tha  dleasdanas  aig  an  Eaglais  agus  aig  an 
Staid  do  chach  a  cheile,  agus  comas  aca  a 
cheile  a  chuideachadh  gun  an  dara  h-aon  a  dhol 
seachad  air  ciiochan  an  aoin  eile.  Buinidh  e 
do'n  Eaglais  agus  do'n  Staid  a  radh,  gach  aon 
dhiubh  air  a  son  fein,  ciod  an  doigh  no  ciod  an 
iiine  a  leanas  iad  anns  a'  cho-bheinn  so  agus 
a  leanas  iad  air  na  dleasdanais  a  tha  sruthadh 
uaith. 

VII.  Tha  Eaglais  na  h-Alba  a'  creidsinn  gur 
e  toil  Chriosd  gu'm  biodh  a  dheisciobuil  uile 
'n  an  aon,  anns  an  Athair  agus  annsan,  a  chum 
gu'n  creideadh  an  saoghal  gu'n  do  chuir  an  t- 
Athair  uaith  e  ;  mar  sin  tha  i  a'  faicinn  gu 
bheil  e  mar  fhiachaibh  oirre  aonadh  iarraidh 
agus  a  dheanamh  ri  eaglaisean  eile  anns  a  bheil 
Facal  Dhe  air  a  shearmonachadh  an  gloine,  na 
Sacramaidean  air  am  frithealadh  a  reir  ordugh 
Chriosd,  agus  smachd  air  a  chumail  gu  riaghail- 
teach  ;  agus  tha  i  an  taobh  a  stigh  d'a  coraich- 
ean agus  air  slighe  a  dleasdanais  ann  a  bhi  ag 
aonadh  ri  eaglais  air  bith  de'n  t-seorsa  sin,  gun 
a  bith,  no  a  beatha,  no  a  h-ainm  fein  a  chall,  air 
chumhachan  a  bhios  a  reir  nan  prionnspalan  a 
tha  air  an  cur  sios  anns  na  h-ochd  Cinn  so. 

VIII.  Is  ann  aig  Eaglais  na  h-Alba  fein,  agus 
aice-se  a  mhain,  a  tha  coir  air  na  Cinn  so  a 
mhineachadh,  ciod  an  seadh  anns  an  tuigear 
iad  ;  cho  fhad  's  a  theid  i  air  a  cheann  gu 
ciiramach  agus  gun  chabhaig,  faiceallach  nach 
dean  i  mearachd,  tha  coir  is  iighdarras  aice  na 
Cinn  so  a  cheartachadh  ma  tha  i  a'  faicinn  sin 
feumail,  ach  air  a'  chumhnant  so  nach  athar- 
raichear  iad  air  dhoigh  nach  'eil  a'  cordadh 
ris  an  teagasg  a  tha  air  a  chur  sios  anns  a' 
cheud  cheann,  teagasg  ris  a  bheil  bith  agus 
beatha  na  h-Eaglais  an  crochadh.  Ma  riinaich- 
eas  an  t-Ard  Sheanadh  gu'n  cuirear  dad  air  bith 
ri  aon  de  na  Cinn  so,  no  gu'n  athai'raichear  iad 
air  dhoigh  air  bith  eile  theid  sin  a  chur  sios  gu 
uile  Chleirean  na  h-eaglais  da  bhliadhna  as 
deidh  a  cheile  co  dhiu,  gus  beachdan  agus 
comhairle  nan  Cleirean  fhaotainn  ;  ma  bhios 
da  thrian  de  na  Cleirean  air  taobh  an  athar- 
rachaidh  faodaidh  an  t-Ard  Sheanadh  an  t- 
atharrachadh  a  cheartachadh  gu  ciiramach  agus 
gu  faiceallach  a  ris,  ann  an  solus  beachdan  is 
comhairle  nan  Cleirean,  agus  a  chur  sios  thuca 
an  treas  uair,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
ma  bhios  da  thrian  de  na  Cleirean  fabharach 
faodaidh  an  t-Ard  Sheanadh,  ma  chi  na  buill 
iomchuidh,  an  t-atharrachadh  a  dheanamh  gu 
h-ordail  riaghailteach  a  reir  lagh  na  h-Eaglais. 
Ach  mur  bi  da  thrian  de  na  Cleirean  air  son 
an  t-atharrachadh  a  dheanamh,  leigear  an 
gnothuch  seachad,  agus  chan  fhaod  a'  cheist 
a  bhi  air  a'  togail  a  ris  gu  cionn  choig 
bliadhna. 


BUNAITEAN  EAGLAIS  NA  H-ALBA 


Sin,  ma  ta,  na  Cinn  anns  an  do  chuir  seann 
Eaglais  na  h-Alba  an  ceill  do'n  t-saoghal  a 
teagasg  agus  a  prionnspalan  agus  a  modh- 
riaghlaidh  an  uair  a  bha  i  a'  dol  a  dh'  aonadh  ris 
an  Eaglais  Shaoii'  Aonaichte,  agus  is  ann  air 
bhonn  an  teagaisg  sin  agus  nam  prionnspalan  sin 
a  bha  an  t-aonadh  air  a  dheanamh  ;  agus  is  ann 
air  na  h-ochd  Cinn  sin  a  tha  an  Eaglais  Aon- 
aichte, Eaglais  na  h-Alba,  a'  seasamh  an  diugh. 

Coma  learn  a'  pheasanachd  leis  am  bi  daoine 
a'  toirt  breith  air  eaglais,  no  a'  faotainn  coire 
do  eaglais,  a  chionn  gun  dubhairt  ministear 
no  foirbheach  a  bhuineas  dhi  sid  no  so,  no  a 
chionn  gu'm  bi  an  t-Urramach  Niall  Mac 
Pharlainn,  B.D.,  an  Cille-sgumain,  ag  radh 
nach  b'aithne  do  Mhaois  uiread  mu'n  ghealaich 
's  is  aithne  do  Shir  Seumas  Deans.  Sealladh  iad 
air  teagasg  is  fianuis  na  h-eaglais  mar  tha  iad  air 
an  cur  sios  leis  an  eafflais  fein,  aerus  leiffidh  sin 
fhaicinn  dhaibh  c'aite  a  bheil  i  a'  seasamh. 

Na'n  robh  am  Morair  uasal  agus  ionnsaichte, 
am  Morair  Halsbury,  air  ais  anns  an  t-saoghal 
so  a  ris,  agus  na'n  robh  e  'na  shuidhe  ann  an 
ciiirt-lagha,  a'  feuchainn  ri  thuigsinn  ciod  an 
eaglais  a  tha  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  saoil 
thu  an  eisdeadh  e  ris  gach  Calum  Udalan  a 
thoilicheadh  bruidhinn  ris  'na  h-ainm,  no  maith 
dh'  fhaoidte  'na  h-aghaidh ;  chan  eisdeadh 
idir,  ach  ghairmeadh  e  air  Cleirich  an  t- 
Seanaidh  agus  dh'  iarradh  e  orra  na  h-ochd  cinn 
so  a  thoirt  dha.  Agus  chnuasaicheadh  e  orra  gu 

ctiranaach  m'an  deanadh  e  suas  inntinn. 

■it  *  *  *  * 

Seach  gu  bheil  mi  a'  bruidhinn  air  a'  chilis 
so  idir,  bu  mhaith  leam  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so,  na  h-earailean  a  thatar  a'  toii't  do 
mhinistearan  oga  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  an 
uair  a  thatar  'g  an  cur  air  leth  gu  dreuchd  na 
ministrealachd,  agus  na  ceistean  a  thatar  a 
cur  orra  an  uair  a  thatar  'g  am  posadh  ri  eaglais 
is  coimhthional. 

"Ann  an  coisrigeadh  dhaoine  gu  dreuchd  na 
ministrealachd  tha  Eaglais  na  h-Alba,  mar 
mheur  de'n  Eaglais  Naoimh  Choitchinn  a  tha 
a'  deanamh  aoraidh  do  aon  Dia,  an  t-Athair,  am 
Mac,  agus  an  Spiorad  Naomh,  a'  cur  an  ceill  as 
iir  a  creideamh  ann  an  gradh  Dhe,  agus  ann  an 
saor  ghras  Dhe,  a  tha  air  am  foillseachadh  anns 
an  t-soisgeul,  tre  losa  Criosd,  aon-ghin  Mhic, 
ar  Tighearna,  a  thainig  do'n  t-saoghal  anns  an 
fheoil,  a  bha  air  a  cheusadh,  agus  a  dh'  eirich  a 
ris,  trid  a  bheil  e  a'  tairgsinn  gu  saor  dhaibh-san 
a  ni  aithreachas  agus  aig  a  bheil  creideamh, 
maitheanas  am  peacaidhean,  ath-nuadhachadh 
leis  an  Spiorad  Naomh,  agus  beatha  shiorruidh, 
agus  'gan  gairm  gu  bhi  a'  saothrachadh  ann 
an  co-chomunn  nan  creidmheach  gu  bhi  cur 
rioghachd  Dhe  air  a  h-aghaidh  air  feadh  an  t- 
saoghail." 

(1)  A  bheil  thu  a'  creidsinn  ann  an  aon  Dia — an 
t-Athair,  am  Mac,  agus  an  Spiorad  Naomh — agus 


a  bheil  thu  as  iir  ag  aideachadh  an  Tighearn  losa 
Criosd  mar  do  Shlanuighear  agus  do  Thighearna  ? 

(2)  A  bheil  thu  a'  creidsinn  gur  e  Facal  Dhe  a 
tha  air  a  chur  sios  ann  an  sgriohtuiribh  an  t-Seann 
Tiomnaidh  agus  an  Tiomnaidh  Nuaidh  an 
riaghailt  as  airde  a  thaobh  creidimh  is  beatha  ? 

(3)  A  bheil  thu  a'  creidsinn  ann  am  firinnean 
mora  an  t-soisgeil,  ann  an  suim  agus  am  brigh  a' 
Chreidimh  Chriosduidh  mar  tha  sin  air  a  chur  sws 
ann  an  Leahhar  Aidmheil  na  h-eaglais  so  ? 

(4)  A  bheil  thu  ag  aideachadh  gu  bheil  am  modh- 
riaghlaidh  a  tha  anns  an  eaglais  so,  ris  an  abrar 
an  doigh  Chleireachail,  a  reir  Facal  Dhe  ;  agus 
a  bheil  thu  a'  gealltainn  gun  toir  thu  iimhlachd 
anns  an  Tighearna  do'n  Chleir  so,  agus  do  chuir- 
tean  eile  as  airde  anns  an  eaglais,  agus  gun  gabh 
thu  do  roinn  dhligheach  fein  'n  a  h-obair  agus  'n  a 
riaghladh  ? 

(5)  A  bheil  thu  a'  gealltainn  gun  sir  thu  aonachd 
agus  sith  na  h-eaglais  so  ;  gun  seas  thu  a  teagasg, 
a  dbighean- aoraidh,  a  doighean-riaghladh,  agus  a 
dbighean-smachdachaidh ;  agus  gu'n  nochd  thu 
spiorad  hraithreildo  luchd-leanmhuinn  an  Tighearna 
uile  9 

(6)  Nach  e  eud  air  son  glbir  Dhe,  gradh  do'n 
Tighearn  losa  Criosd,  agus  iarrtus  air  daoine  a 
thearnadh,  cho  fhad  's  is  aithne  dhuit  do  chridhe 
fein,  na  h-aobharan  araidh  a  thug  ort  dreuchd 
naomh  'n  a  ministrealachd  a  ghabhail  ort  fein  ? 

(7)  A  bheil  thu  a'  gealltainn,  tre  chbmhnadh  an 
Tighearn  losa  Criosd,  do  bheatha  a  chur  seachad 
gu  diadhaidh  agus  gu  curamach  ;  t-obair  agus  do 
dhleasdanas  anns  a'  mhinistrealachd  a  dheanamh 
gu  dileas,  gu  dichiollach,  agus  gu  togarrach,  a' 
deanamh  nan  uile  nithe  air  ghaol  rioghachd  Dhe  a 
chur  air  aghaidh  ? 

(8)  A  bheil  thu  a'  gabkailris  a'  ghairm  afhuair 
thu  gu  bhi  'n  ad  aodhair  anns  a'  choimhthional  so, 
agus  a  bheil  thu  a'  gealltainn  gu'n  dean  thu  dichioll, 
tre  chbmhnadh  grais,  air  thufeiii  a  nochdadh  dear- 
bhta  mar  mhinistear  dileas  an  t-soisgeil  am  measg 
an  t-sluaigh  so  ? 

Ma  tha  na  ceistean  sin  air  am  freagairt  gu 
riar  na  Cleire  cuiridh  am  ministear  an  sin  a 
lamh  ris  a  chiimhnant  so,  'n  a  lamh-sgriobhaidh 
fein  ;  ciimhnant  ris  a  bheil  foirbhich  cuideachd 
a'  cur  an  laimhe  an  uair  a  ghabhas  iad  orra  an 
dreuchd  sin. 

(1)  Tha  mi  a'  creidsinn  firimiean  mora  a' 
Chreidimh  Chriosduidh  a  tha  air  an  cur  sios  an 
Leabhar  Aidmheil  na  h-eaglais  so. 

(2)  Tha  mi  ag  aideachadh  gu  bheil  an  riaghladh 
Cleireachail  a  tha  anns  an  eaglais  so  a  reir  Facal 
Dhe,  agus  tha  mi  a'  gealltainn  gun  geill  mi  dha 
asus  sun  aontaich  mi  ris. 

o         o 

(3)  Tha  mi  a'  gealltuinn  dbighean  na  h-eaglais 
so  a  lea?ituifin  a  thaobh  aoraidh,  is  frithealadh  nan 
brduighean  follaiseach,  mar  a  tha  no  bhitheas  na 
dbighean  sin  'n  an  gnaths  innte. 


4r 


ANNS  A'  CHI^BAID 


Anns  a'  Chubaid 

(LEASAN    DO    PHARANTAN) 

Anns  an  Id  sin,  coimhlionaidh  mi  an  aghaidh  Eli  na  nithe  sin  uile  a  labhair  mi  mu  thimchioll  a  thighe, 

0  thoiseach  gu  deireadh. — I  Samuel,  iii.  12, 


ANNS  an  t-saoghal  so  chi  sinn  daoine  a  tha 
faotainn  dheth  na's  fhearr  na  thoill  iad  ; 
daoine  a  thoill  a'  chroich  ach  nach  d'fhuair  i. 
Ach  chi  sinn  daoine  eile  a  tha  faotainn  na's 
miosa  na  thoill  iad,  co  dhiu  cho  fhad  's  is  leii* 
dhuinne ;  daoine  a  fhuair  am  peanasachadh 
na's  motha  na  thoill  iad.  B'ann  diubh  sin  Eli. 
An  uair  a  leughas  tu  eachdraidh  an  duine  so 
ann  an  eeud  leabhar  Shaniuel,  chan  urrainn  duit 
gun  co-fhaireachduinn  a  bhi  agad  ris  an  t-seann 
duine  bhochd  air  an  tainig  trioblaidean  cho  mor 
ann  an  deireadh  a  laithean  ;  agus  theagamh 
gu'n  saoil  thu  gu  robh  Dia  na  bu  truime  air  na 
bha  e  air  daoine  eile  a  bu  mhiosa  na  e.  Ach  chan 
urrainnear  eucoir  a  chur  as  leth  an  Tighearna ; 
agus  mar  sin,  tha  an  earrann  so  de  Fhacal  an 
Tighearna  a'  teagasg  do  pharantan,  gu  bheil 
mallachd  Dhe  air  a  h-uile  teaghlach  anns  nach 
'eil  a'  chlami  air  an  casg  o  olc  agus  o  ain-diadh- 
aidheachd. 

A  mach  o'n  doigh  anns  an  do  thog  e  a 
theaghlach  bha  Eli  'n  a  dhuine  caomhail,  agus 
'n  a  dhuine  diadhaidh  cuideachd.  Bha  e  'n  a 
shagart  agus  'n  a  bhreitheamh  ann  an  Israel, 
agus  chomhlion  e  an  da  dhreuchd  sin  gu  h- 
iriosal  agus  gu  treibhdhireach.  Tha  fichead 
rud  as  aithne  dhuinn  uime  a  tha  chum  a  chliii. 
Nach  b'  uasal  agus  nach  bu  chaomhail  a  labhair 
e  ri  Hannah  an  uair  a  chunnaic  e  gu  robh  e 
cearr  ann  a  bhi  saoilsinn  gu  robh  i  air  mhisg  ! 
Nach  b'  uasal  agus  nach  bu  chaomhail  cuideachd 
a  labhair  e  ri  Samuel  an  uair  a  chunnaic  e  gu'n 
do  ghairm  Dia  an  gille  !  Cha  robh  a  leithid  de 
ni  agus  farmad  'n  a  chridhe.  An  aite  gamhlas 
a  bhi  aige  do'n  ghille  og  a  bha  gus  e  fein  a  chur 
bharr  a'  chriiin,  mar  gu'm  b'eadh,  is  ann  a 
chuidich  e  le  Samuel  riiintean  Dhe  a  thuigsinn. 
Am  measg  nam  failingean  a  tha  ag  iadhadh 
mu  dhaoine,  tha  mi  an  diiil  gur  e  so  an  f  hailing 
as  cumanta,  gu  bheil  iad  deas  gu  saoibhneas  a 
ghabhail  ma  chuirear  duine  eile  air  thoiseach 
orra.  An  goirteachadh  as  lugha  a  bheir  thu 
d'am  fein-speis,  gabhaidh  iad  anns  an  t-sroin  e. 
Neo-ar-thaing  nach  bi  iad  geanail  dichiollach 
cho  fhad  's  a  gheibh  iad  sgiobaireachd  is 
comannd  ;  ach  ma  mholar  duine  eile,  no  ma 
chuirear  duine  eile  air  thoiseach  orra,  no  mur 
bheil  iad  a'  faotainn  an  rud  sin  ris  an  abair  iad 
an  cbraichean  agus  an  aite,  gabhaidh  iad  saoibh- 
neas agus  tilgidh  iad  an  obair  as  an  laimh.  A 
h-uile  duine  aig  a  bheil  ri  oibreachadh  comhla 
r'a  cho-chreutairean,  is  aithne  dha  an  seorsa 
dhaoine  so,  agus  tha  fhios  aige  cho  duilich  's  a 
tha  e  bhi  suas  riutha. 


Ach  cha  robh  aon  bhoinne  de  'n  spiorad  so 
ann  an  Eli  ;  cha  do  ghabh  e  saoibhneas  ri  Dia 
no  ri  Samuel  an  uair  a  thainig  facal  an  Tighearna 
gu  Samuel  an  aite  tighinn  thuige  fein.  Bha  e 
searbh  dha  gun  teagamh  a  bhi  air  a  chur  as  an 
rathad,  agus  balach  fhaicinn  air  a  chur  air 
thoiseach  air,  ach  cha  do  ghabh  e  fearg  no 
saoibhneas,  agus  cha  mho  a  rinn  e  gearan. 

Fad  dhafhichead  bliadhna  bha  Eli  'n  a  dhuine 
mor  am  measg  mhaithean  Israel ;  cha  robh 
taobh  an  tionndadh  e  nach  robh  daoine  a' 
deanamh  am  beic  dha,  oir  bha  fhacal  mar 
fhacal  an  righ.  Chan  'eil  e  furasda  do  dhaoine 
a  tha  cleachdta  ri  urram  a  bhi  air  a  thoirt  daibh 
deanamh  as  eugmhais,  oir  ionndrainnidh  an 
cridhe  am  brosgul  mar  a  dh'  ionndrainnicheas 
a'  bhodhig  am  biadh.  Ach  ghiiilain  Eli  e  fein 
gu  h-uasal  agus  gu  diadhaidh  an  uair  a  dh' 
innseadh  dha  gu  robh  e  a'  dol  a  chall  a  dhreuchd 
agus  a  ghloir  shaoghalta.  "Is  e  toil  an 
Tighearna  ata  ann,"  ars'  esan,  "deanadh  e  mar 
chi  e  iomchuidh."  Cia  meud  duine  a  bhios  a' 
leughadh  na  duilleig  so  a  b 'urrainn  sin  a  radh 
o'n  cridhe  na'n  robh  iad  'n  a  aite  ? 

Ach  ged  nach  urrainn  duinn  gun  taobh  bhlath 
a  bhi  againn  ris  an  t-seann  duine  so,  agus  co- 
fhaireachduinn  a  bhi  againn  ris  anns  na  triob- 
laidean a  thainig  air  'n  a  sheann  aois,  chan 
fhaodar  a  lethsgeul  a  ghabhail,  no  a  chunntas 
neo-chiontach  oir  bha  e  air  a  dhiteadh  le  Dia, 
agus  is  breitheamh  Dia  nach  toir  a  mach  ach 
binn  cheart.  Tha  Dia  ceart  'n  a  uile  shlighean. 
Bha  Eli  coltach  ri  iomadh  a  h-aon  eile  ;  dh' 
fheuch  e  ris  an  staid  agus  an  eaglais  a  riaghladh, 
ach  rinn  e  dearmad  air  a  thigh  fein  a  riaghladh. 
Sin  aon  de  na  peacaidhean  as  trice  anns  a  bheil 
daoine  a'  tuiteam  an  diugh  ;  gabhaidh  iad  os 
laimh  fichead  car  a  ni  e  eu-comasach  dhaibh 
sealltuinn  as  deidh  an  teaghlaichean  mar  bu 
choir  daibh.  Tha  daoine  cho  gaolach  air  an 
corragan  fhaotainn  ann  an  nithean  mora  's 
nach  'eil  suim  aca  do  na  nithean  beaga.  Tha 
iad  cho  driopail,  a'  ruith  gu  coinneamhan  uime 
sud  agus  uime  so,  's  nach  'eil  cothrom  aca  air 
eolas  a  chur  air  an  cloinn  fein.  Ach  saoilidh 
mi  gur  e  ceud  dhleasdanas  a'  h-uile  duine  a  tha 
togail  teaghlaich  a  thigh  a  riaghladh  gu  ceart, 
agus  a  chlann  a  theagasg  agus  a  smachdachadh. 
Mur  bheil  e  a'  deanamh  sin  chan  'eil  ann  dha 
ach  an  dearg  mhiomhadh  toiseachadh  air  an 
staid  ao'us  air  an  t-saosrhal  uile  a  chur  ceart. 

Bha  clann  Eli  'n  an  ciiis-bhruidhne  agus  'n 
an  culaidh-naire  ann  an  Israel  ;  air  cheann  na 
cuideachd  anns  gach  baoghaltachd  is  rantair- 


ANNS  A'  CHATHAIR 


eachd  a  bha  dol  air  aghaidh.  Bha  fhios  aig  an 
athair  gu  maith  air  an  dol-a-mach  a  bha  aca, 
ach  ma  bha,  cha  do  chuir  e  casg  orra  ;  agus  mu 
dheireadh  thug  an  droch  chaitheamh-beatha 
air  daoine  tarcuis  a  dheanamh  air  seirbhis  an 
teampuill  agus  air  tabhartas  lehobhah. 

Na'n  do  rinn  Eh  mar  bu  choir  da  a  dheanamh 
chuir  e  a  mach  as  an  dreuchd  agus  a  coimh- 
thional  Israeil  iad,  ach  bu  mhotha  a  chlaon- 
bhaigh  ri  f  huil  is  f  heoil  fein  na  'eud  air  son  tigh 
an  Tighearna,  agus  leig  e  leo  dol  air  an  aghaidh. 
Air  a  shon  so,  chan  urrainnear  a  lethsgeul  a 
ghabhail,  oir  is  coir  gu'n  cuireadh  duine  anns 
a  bheil  spiorad  na  sagartachd  maith  na  h-eaglais 
is  aobhar  an  Tighearna  air  thoiseach  air  buan- 
nachd  a  theaghlaich. 

Ach  ged  chaog  Eh  a  shiiil  ri  aingidheachd  a 
chloinne  cha  do  chaog  Dia  a  shiiil  rithe,  oir  tha 
gniiis  an  Tighearna  gu  brath  an  aghaidh 
aingidheachd.  "Feuch  ni  mi  ann  an  Israel," 
arsa  Dia,  "  ni  a  ni  gaoir  ann  an  da  chluais  gach 
neach  a  chluinneas  e  :  bheir  mi  breith  air  a 
thigh  gu  brath,  air  son  na  h-aingidheachd  air 
an  robh  e  fiosrach  ;  a  chionn  gu'n  tug  a  mhic 
mallachd  orra  fein,  agus  nach  do  chaisg  esan 
iad." 

Bha  am  bagradh  so  air  a  choimhlionadh  ann 
an  da  rireadh,  oir  thug  Dia  thairis  Israel  do  na 
Philistich  ;  bha  Hophni  agus  Phinehas  air  an 
marbhadh,  agus  aire  Dhe  air  a  glacadh  agus 
air  a  toirt  air  falbh  le  sluagh  coimheach.  Agus 
a  chur  an  tuilleadh  gaoir  ann  an  cluais  gach 
neach  a  chual  an  naigheachd  bhochd  sin,  thuit 
Eli  fhein  is  bhris  e  amhach. 

Dean  an  t-olc  is  fan  r^a  dheireadh  ;  caomhain 
an  t-shlat  is  mill  do  mhac, — sin  na  leasain  a  tha 
beatha  an  duine  so  a'  teagasg  duinn.  Agus 
tha  soluimteachd  nan  leasan  sin  air  a  dhublach- 
adh  a  chionn  gu  bheilear  'g  an  leughadh  ann 
am  beatha  duine  a  bha  'na  dhuine  caomhail  is 
iriosal  is  diadhaidh.  Ged  a  leanadh  tu  air  Eh  a 
mholadh  fad  oidhche  gheamhraidh  gheibheadh 
tu  rud  is  rud  eile  a  b'urrainn  duit  a  radh  'n  a 
fhabhar,  ach  ged  a  bha  e  'na  dhuine  maith  bha 
aon  fhailing  mhbr  ann,  agus  mhill  an  fhailing 
sin  a  bheatha.  Dhiobhail  e  fein,  agus  a 
theaghlach,  agus  a  dhiithaich  oirre,  agus  rud  a 
bu  mhiosa  air  fad  dhiobhail  rioffhachd  Dhe  oirre. 


Tha  cuid  de  pheacaidhean  na's  graineile  agus 
na's  an-tromaichte  na  cuid  eile,  ach  chi  sinn 
gle  bhitheantagu  bheil  peacadh  ris  an  abramaid- 
ne  peacadh  beag  a'  toirt  a  mach  toradh  eagal- 
lach  ann  am  beatha  an  duine  a  rinn  e  ;  toradh 
a  tha,  a  reir  choslais  co-dhiu,  a  dha  cheud  uiread 
ris  an  t-siol  a  bha  air  a  chur.  Sin  aon  de 
dhiomhaireachdan  freasdal  Dhe. 

Mar  is  bitheanta  tha  uamhas  air  daoine 
roimh  pheacaidhean  graineil,  agus  a  chionn  gu 
bheil,  tha  iad  'n  an  earalas  orra.  Ma  thachras 
gu'n  tuit  iad  ann  am  peacadh  de'n  t-seorsa  sin 
tha  e  'n  a  leithid  de  shearbhadas  d'an  cridhe 
agus  d'an  coguis  's  nach  eil  iad  ann  an  staid 
cho  cunnartach  gu  spioradail  's  a  bhitheadh  iad 
mur  biodh  e  'n  a  shearbhadas  dhaibh  idir. 
Air  an  laimh  eile  tha  peacaidhean  ann  nach 
'eil  a'  toirt  oilbheum  mor  air  bith  do  choguis 
dhaoine,  a  chionn  gu  bheil  iad  cumanta  agus  a 
chionn  gu  bheil  ainmean  boidheach  orra  ;  sin 
na  peacaidhean  a  tha  cunnartach  do  shluagh  an 
Tighearna,  oir  chan  'eil  iad  'n  an  earalas  orra, 
agus  faodaidh  iad  tuiteam  annta  gun  fhios 
dhaibh.  Ach  ged  tha  peacaidhean  ann  as 
miosa  na  cheile  tha  a  h-uile  peacadh  graineil  an 
siiilean  Dhe.  "A  sheachrain  fein  co  thuigeas 
iad  ?  o  lochdan  diomhair,  saor  thusa  mi  a  Dhe." 

Mise  agus  a  chlann  a  thug  Dia  dhomh  !  Ma 
thug  Dia  clann  do  pharantan  a  chaidh  air 
cheann  tigheadais  is  teaghlaich,  car  son  a  thug 
e  dhaibh  iad  ach  a  chum  gu'm  biodh  a'  chlann 
sin  air  an  togail  ann  an  oilean  a.gus  ann  an 
teagasg  an  Tighearna  ?  Sin  dleasdanas  nach 
fhaod  parantan  a  dhearmad  gun  chiont  eagal- 
lach  ;  ma  ni  iad  dearmad  air,  b'  fhearr  dhaibh 
nach  do  rugadh  iad.  Is  sona  na  parantan  as 
urrainn  a  radh  air  a'  cheann  mo  dheireadh, 
ladsan  a  thug  thu  dhomh  cha  do  chaill  mi  aon 
diubh.  Ach  ciod  a  theirear  ri  aithrichean  is 
mathraichean  a  tha  cho  neo-shuimeil  a  thaobh 
teagasg  an  cloinne  's  nach  fhaca  an  clann  iad 
riamh  ag  iirnuigh  ?  Ciod  a  theirear  iad  riu 
ach  gu  bheil  iad  a'  peacachadh  an  aghaidh  an 
cloinne  agus  an  aghaidh  an  Tighearna,  agus 
gu'm  bi  an  clann  a'  fulang  call,  an  tim  agus  an 
siorruidheachd,  mar  thoradh  an  neo-chiiram-san. 

Rinn  iad  coimheadaiche  namfton-lios  dhioni 
Ach  m''  fh\on-lios  fein  cha  do  choimhead  mi. 


Anns  a'  Chathair 


AN  la  roimhe  chuir  duine  sonraichte  a  bhios 
a'  leughadh  leabhar  buidhe  na  h-eaglais 
fios  thugam,  gu'm  biodh  e  'n  am  chomain 
na'n  innsinn  ann  am  briathran  simplidh  soilleir 
air  an  duilleig  so  ciod  a  tha  an  sgoilear  mor, 
Einstein,  a'  ciallachadh  leis  an  teagasg  iir  a 
tha  e  a'  toirt  seachad.  Tha  sin  furasda  gu  leor 
dhomh-sa  a  dheanamh  :  tha  teagasg  an  duine 
cho  soilleir  ris  an  Sgeir  Mhoir. 


Abair  gu  robh  thu  dluth  do  rud  nach  robh 
dliith  dhuit,  agus  gu  robh  ceann  an  ruid  sin 
air  a  cheangal  ri  rud  eile  a  bha  falbh  bhuait 
cho  luath  ris  an  rud  nach  robh  dluth  dhuit  idir  ; 
agus  abair  gu  robh  thu  a'  sealltainn  air  ceann 
an  da  ruid  a  bha  falbh  bhuait  aig  an  aon  astar, 
agus  an  dara  rud  a'  tuiteam  gun  an  rud  eile  a 
bhualadh,  agus  an  rud  a  bha  air  a  cheangal  ri 
ceann  an  ruid  eile  a'  tuiteam  a  dh'  ionnsuidh  na 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


talmhainn  mar  a  chi  thu  botul  a'  tuiteam  an 
uair  a  thilgear  a  mach  e  a.carbud-iaruinn  a  tha 
gluasad  na's  luaithe  na'n  rud  nach  robh  dliith 
do'n  rud  a  bha  air  a  cheangal  ris  an  rud  eile  a 
bha  gluasad  aig  an  aon  astar  ris  ;  agus  abair 
gu  robh  thu  ann  an  ciste  f  halaimh  a  bha  air  a 
tarruing  suas  o'n  talamh  leis  an  rud  a  bha 
rudanadh  an  ruid  a  bha  air  a  cheangal  ris  an 
rud  air  an  robh  an  gath  soluis  a'  tuiteam,  agus 
e  air  a  liibadh  mu  cheann  an  ruid  a  bha  falbh 
bhuait  anns  an  fharsuingeachd  aig  a  bheil 
ceann,  ach  aig  nach  'eil  crioch,  agus  ann  an 
tim  nach  *eil  idir  ann,  agus  i  gun  cheann  gun 
chrich, — bhiodh  do  cheann  ann  an  staid  ris  an 
abrar  relativity,  facal  nach  fhaighear  anns  na 
Foclairean  Gaidhlig,  ged  is  e  an  f  hior  Ghaidhlig 
air  hreisleach. 

Sin  agaibh,  ma  ta,  teagasg  Einstein  ;  mur 
foghainn  so  le  mo  charaid  a  chuir  a'  cheist  orm, 
no  mur  bheil  e  simplidh  is  soilleir  gu  leor, 
cuiridh  mi  dha  e  an  Greigis  air  an  ath  turus. 

Bho  chionn  beagan  sheachduinnean  thugadh 
dinnear  do'n  Ollamh  Einstein  ann  an  Lun- 
nainn,  agus  aig  an  dinnear  sin  bha  e  air  a  radh 
le  G.  B.  Shaw  gur  e  Einstein  grainne-mullaich 
nan  uile  dhaoine  a  tha  beo  anns  an  t-saoghal 
an  diugh  ;  gu  bheil  e  a'  seasamh  a  mach  ana 
measg  a  cho-aoisean  mar  bha  Saul  am  measg 
sluagh  Israeil.  Faodar  lethsgeul  duine  a 
ghabhail  ged  nach  toimhseadh  e  a  bhriathran 
an  uair  a  bhios  e  a'  moladh  duine  eile  a  thatar 
ag  ol  a  dheoch-slainte,  ach  air  a  shon  sin,  tha 
mi  an  duil  nach  e  oirleach  a  bharrachd  a  ghabh 
G.  B.  S.,  ach  slat.  Tha  daoine  anns  an  t- 
saoghal  an  diugh  a  bhios  air  an  cunntas  am 
measg  phrionnsachan  a'  chinne-daonna,  agus 
a  leanas  air  labhairt  ris  a'  chinne-daonna,  fada 
fada  an  deidh  do  Einstein  a  bhi  marbh. 
Theagamh  gur  e  fear  de  na  daoine  sin  G.  B. 
Shaw  e  fein. 

An  uair  a  chluinneas  tu  daoine  ag  radh  gu'n 
do  chruthaich  Einstein  saoghal  ur  chan  'eil 
ann  an  sin  ach  facal,  agus  tha  daoine  gle 
bhitheanta  air  an  cur  air  seacharan  le  facail. 
Cha  do  chruthaich  Einstein,  no  Copernicus,  no 
Newton,  no  ard-sgoilear  eile  saoghal  tir  ;  cha 
do  rinn  iad  ach  beagan  eolais  a  thoirt  duinn 
nach  robh  againn  cheana  mu'n  t-saoghal  a 
chruthaich  Dia,  saoghal  a  bha,  agus  a  tha,  agus 
a  bhitheas  a'  dol  air  aghaidh  'na  chuairtibh  fein 
a  dh'  aindeoin  ar  beachdan-ne  m'a  thimchioll. 
Faodaidh  mac  an  duine  feuchainn  ri  cuairt  nan 
neamh  a  rannsachadh,  agus  ri  siubhal  nan  reul 
a  thuigsinn — thug  Dia  inntinn  is  reuson  dha  a 
chum  gu'n  deanadh  e  an  oidhirp  sin — ach  a 
dh'  aindeoin  ciod  a  ni  e,  agus  a  dh'  aindeoin  cho 
fada  's  'gan  teid  e  air  aghaidh  ann  an  eolas 
mu'n  t-saoghal,  tha  an  saoghal  fein  cho  fada  os  - 
cionn  a  chomais  agus  cho  beag  'n  a  eisiomail 
ris  a'  ghrioglachan  ;  chan  urrainn  e  dad  a  chur 
ris  :  is  chan  urrainn  e  dad  a  thoirt  uaith. 


An  sin  fhreagair  lehohhah  lob  as  an  doinionn, 
agus  thtibhairt  e,  C'aite  an  robh  thu  'n  uair  a  leag 
mise  bu?iaitean  na  talmhainn  ?  Innis  ma  tha  tuigse 
agad.  Co  shuidhich  a  thoimhsean,  no  cb  shm  an 
snathainn-tomhais  air.  Ciod  air  an  robh  a 
bhunaitean  air  an  daingneachadh,  no  cb  leag  a' 
chlach-oisinn.  .  .  .  An  ceangail  thusa  ceanglaich- 
ean  nam  Pleiades,  no  am  fuasgail  thu  cuirt  Orioin  ? 
An  toir  thu  mach  na  Madsarot  'n  an  am,  no  an 
stiiiir  thu  am  Math-ghamhuinn  maille  r'a  mhic? 
A  bheil  gairdean  agad  cosmhuil  ri  Dia,  agus  an 
dean  thu  tairneanach  le  guth  cosmhuil  ris-san.  .  .  . 
Agus  fhreagair  lob  lehobhah,  agus  thubhairt  e, 
Feuch,  tha  mi  tuilleadh  is  suarach ;  ciod  a 
fhreagras  mi  dhuit  ?  Cuiridh  mi  mo  lamh  air  mo 
bheul ;  aon  uair  labhair  mi,  agus  cha  fhreagair 
mi  ;   seadh,  da  uair,  ach  chan  abair  mi  tuilleadh. 

Mu  Cheol 

An  am  a'  chogaidh,  an  uair  a  fhuair  luchd- 
oibre  na  diithcha  ardachadh  tuarasdail,  agus  a 
bha  cothrom  is  comhfhurtachd  aca  nach  robh 
aca  riamh  roimhe,  bhiodh  na  daoine  a  bha  rud 
beag  no  rud  mor  os  an  cionn  a'  faotainn  coire 
dhaibh  air  son  an  roicealachd,  is  bhiodh  iad  ag 
radh  gu  fanoideach  gu  robh  uiread  airgid  aca 
's  nach  robh  fhios  aca  ciod  a  dheanadh  iad  ris  ; 
gu  robh  na  ceudan  dhiubh  a'  ceannach  pianos. 
Car  son  nach  ceannaicheadh  ?  Bu  mhaith 
leam-sa  piano  fhaicinn  ann  an  oisean  an  t- 
seomair  aig  a  h-uile  fear-oibre  anns  an  diithaich, 
agus  fidheall  cuideachd,  agus  feadan,  agus  piob- 
mhor,  agus  organ,  agus  clarsach,  agus  melodeon, 
ma  tha  duine  aige  a  chluicheas  iad. 

Chan  e  dolaidh  a  tha  ann  airgiod  a  chur  ann 
an  nithean  mar  sin,  ma  theid  aig  duine  air  an 
airgiod  a  shabhaladh,  ach  is  dolaidh  a  tha  ann 
airgiod  a  chur  ann  an  uisge-beatha,  no  ann  an 
roic  is  riomhadh,  no  ann  an  rud  eile  nach  toir 
solas  ach  do'n  f  heoil. 

Tha  a'  cheart  uiread  coir  aig  daoine  bochda 
air  piano  a  bhi  aca,  ma's  urrainn  iad,  's  a  tha 
aig  daoine  beartach,  agus  cha  cheannaicheadh 
iad  idir  e  mur  biodh  gaol  aca  air  ceol,  agus  mur 
biodh  iad  a'  creidsinn  "  gur  mo  a'  bheatha  'nam 
biadh  agus  an  corp  na'n  t-aodach." 

Na'n  ruigeadh  mo  ghuth  na  maithean  a  tha 
riaghladh  nan  sgoilean,  agus  aig  a  bheil  comas 
a  radh  ciod  a  theagaisgear  annta,  theirinn 
riutha  ceol  a  thoirt  do'n  chloinn  ;  aibideil  is 
litrichean  a'  chiiiil  ionnsachadh  dhaibh  air  chor 
agus  gu'n  rachadh  aca  air  a  thogail  a  leabhraich- 
ean,  agus  inneal  air  chor-eigin  a  chluich  cuid^ 
eachd.  Bheireadh  sin  bai'rachd  toilinntinn 
dhaibh  fad  am  beatha  na  gheibheadh  iad  o 
mhoran  de  na  rudan  eile  a  thatar  a'  teagasg 
dhaibh  's  an  sgoil. 

Ma  tha  duine  gaolach  air  ceol,  sin  solas  a 
mhaireas  dha  uile  laithean  a  bheatha  ;  an  uair 
a  bhios  a  bhodhig  air  a  claoidh  le  saothair,  no 


« 


LATHAIREACHD  AN  TIGHEARNA 


inntinn  air  a  claoidh  le  ro-chiiram,  chan  'eil  aige 
ach  lamh  a  thoirt  air  an  fhidhill  agus  anns  a' 
mhionaid  tha  e  ann  an  saoghal  eile.  A  thuil- 
leadh  air  sin  theid  aige  air  toilinntinn  a  thoirt 
do  dhaoine  eile. 

Ach  ged  nach  ruig  mo  ghuth-sa  na  maithean 
a  tha  riaghladh  nan  sgoilean  ruigidh  e  parantan 
anns  a'  Ghaidhealtachd  a  bhios  a'  leughadh  na 
duilleig  so,  is  theirinn  riutha,  cothrom  a  thoirt 
d'an  cloinn  ffaol  a  bhi  aca  air  ceol,  ag-us  inneal 


air  chor-eigin  a  chluich,  ged  b'e  an  tromb. 
Cuiridh  gaol  a  chiiiil  fuadach  air  iomadh  droch 
rud  eile  as  an  cridheachan,  agus  fosglaidh  e 
dorsan  dhaibh  a  steach  do  sheomraichean 
ciibhraidh  far  am  faic  agus  am  fairich  iad 
nithean  maiseach  agus  ion-mhiannaichte.  An 
duine  a  tha  gaolach  air  ceol,  tha  tobar  aige  'n 
a  chridhe  fein  as  an  tarruing  e  solas  gach  latha. 

Thig  crloch  air  an  t-saoghal 
Ach  mairidh  gaol  is  ceol. 


Lathaireachd  an  Tighearna 


CHAN  e  teagasg  annasach  ia  tha  ann  an 
cluasan  dhaoine  a  f  huair  oilean  dhiadhaidh 
gu  bheil  Dia  a  lathair  anns  a'h-uile  h-aite — gun 
leur  dha  gach  gniomh,  gun  cluinn  e  gach  facal, 
gur  aithne  dha  gach  sixiuain.  "  Am  faod  neach 
air  bith  e  fein  fhalach  ann  an  ionadaibh 
diomhair,  air  chor  's  nach  faic  mise  e  ?  "  deir 
an  Tighearna.  "  Nach  'eil  mise  a'  lionadh  nan 
neamhan  agus  na  talmhainn  ?  deir  an  Tigh- 
earna "  (ler.  xxiii.  24).  "  Agus  chan  'eil 
creutar  sam  bith  nach  'eil  foUaiseach  'n  a 
lathair-san  :  ach  tha  na  h-uile  nithean  lom- 
nochd,  agus  fosgailte  do  shuilean  an  Ti  d'am 
feum  sinn  cunntas  a  thoirt  "  (Eabh.  iv.  13). 

Tha  Dia  a  lathair  anns  gach  aite  air  iomadh 
doigh  :  Tha  e  lathair  le  chumhachd.  Tha  e 
riaghladh  cursa  nan  saoghal  le  a  laimh — a' 
seoladh  gach  creutar  le  shuil — a'  beathachadh 
gach  creutar  beo  le  ullachadh  a  laimhe,  Tha  e 
cur  cumhachdan  ifrinn  air  chrith  le  a  uamhas — 
a'  ceangal  nan  neamhnan  le  fhacal,  is  'g  an 
tilgeadh  a  mach  le  aithne,  Tha  e  cur  aingeal  air 
theachdaireachd  le  riiintean.  Anns  na  nea- 
mhan ;  air  an  talamh  ;  ann  an  doimhneachdan 
a'  chuain  ;  ann  an  criochan  ifrinn ;  tha  e 
lathair  le  chumhachd. 

Tha  e  lathair  'n  a  ghras  anns  na  h-ionadan 
naomha — ann  an  co-chruinneachadh  a  shluaigh, 
anns  an  teampull,seadh  agus  ann  an  uamhachan 
na  talmhainn,  is  iad  'g  am  falach  air  fear  na 
foirneart.  Theid  Dia  a  mach  as  a  shlighe  a 
choinneachadh  ri  naoimh  an  uair  a  tha  iad  air 
an  cur  a  mach  as  an  riaghailt  abhaisich  le  eigin. 

Tha  e  gu  sonraichte  a  lathair  ann  an  cridh- 
eachan a  shluaigh  le  a  Spiorad  Naomh.  Tha 
dha-rh-eadh  na  cridheachan  sin  'n  an  teampuill, 
agus  'n  an  samhla  agus  'n  an  sgail  air  Neimh 
fhein.  Oir  tha  Dia  a'  rioghachadh  ann  an 
cridheachan  a  sheirbhiseach — an  sin  tha  a 
rioghachd.  Chuir  cumhachd  a  ghrais  a  naimh- 
dean  uile  fo  smachd — an  sin  tha  a  chumhachd. 
Tha  iad  a'  deanamh  seirbis  dha  a  la  agus  a  dh' 
oidhche,  agus  a'  toirt  dha  taing  agus  moladh — 
is  e  sin  a  ghloir.  Is  e  so  diadhachd  agus  aoradh 
Dhe  anns  an  teampull.  Is  e  an  teampuU  cridhe 
an  duine ;  is  e  Criosd  an  t-Ard-shagart — neach 


a  tha  cur  suas  as  a  sin  tiiis  na  h-iirnuigh,  agus  'g 
a  h-aonadh  ri  eadar-ghuidhe  fhein,  agus  'g  an 
cur  le  cheile  an  lathair  an  Athar.  Tha  an 
Spiorad  naomh  cuideachd,  le  chomhnuidh  anns 
a'  chridhe,  'g  a  choisrigeadh  gu  bhi  'n  a  theam- 
pull  do  Dia. 

Tha  Dia  gu  sonraichte  a  lathair  ann  an 
coguisean  dhaoine — maith  is  dona — a'  togail 
fianuis  agus  a'  toirt  breith.  Tha  e  ann  an  sin 
a'  cur  gach  ni  air  chuimhne.  Cha  teid  gniomh 
no  smuain  air  dichuimhne  is  Dia  anns  a'  choguis. 
Air  an  la  mhor  bidh  e  air  a  dheanamh  soilleir 
gun  robh  a  shiiilean  air  gach  smuain,  agus  gun 
toir  e  gach  smuain  is  rim  is  gniomh  gu  breith- 
eanas. 

A  nis  tha  buaidh  air  leth  aig  an  fhirinn  so 
ann  am  beatha  a'  chriosduidh.  Ma  tha  neach 
a'  cumail  ann  an  cuimhne  gu  bheil  Dia  'n  a 
fhianuis  agus  'n  a  bhreitheamh — a  shiiil  air 
gach  ni  diamhair  maille  ri  an-diadhachd — tha 
an  duine  sin  a'  cur  aghaidh  phrais  air  fhein  mur 
a  bheil  e  a'  cumail  rian  air  fhein  an  uair  a  tha 
e  air  a  bhuaireadh  gu  peacadh.  Tha  an  neach 
sin  a'  deanamh  tair  mhor  air  Dia  an  uair  a 
chuireas  e  balachan  air  falbh  's  e  dol  a  chur  an 
gniomh  neo-ghlaine,  agus  gidheadh  a  ghabhas 
air  a  dheanamh,  is  fhios  aige  gu  bheil  Dia  a 
lathair,  agus  nach  urrainear  Esan  a  chur  air 
faibh — mar  gum  biodh  siiil  a'  bhalachain  na's 
uamhasaiche  na  siiil  uile-leirsinneach  Dhe.  Bi 
cinnteach  an  uair  a  tha  thu  'n  a  lathair-san  gun 
giiilan  thu  thu  fein  mar  is  cubhaidh  do  lathair- 
eachd cho  naomh. 

Tha  e  cinnteach  ma  bheir  daoine  an  comh- 
nuidh  fainear,  agus  gun  gabh  iad  gu  cridhe,  gur 
e  Dia  siiil  mhor  an  t-saoghail,  an  comhnuidh  ag 
amharc  air  ar  n-uile  ghniomharan,  agus  cluas 
a  tha  an  comhnuidh  fosgailte  a  chluintinn  ar 
n-uile  bhriathran,  agus  gairdean  nach  fhas 
sgith  an  comhnaidh  air  a  togail  a  chum  leir- 
sgrios  a  thoirt  air  a'  pheacach — tha  e  cinnteach 
nach  'eil  doigh  eile  a  tha  cho  cumhachdach  air 
clann  nan  daoine  a  chumail  bho  pheacadh  agus 
air  daoine  a  thoirt  am  fagus  air  staid  nan  naomh 
air  Neimh — muinntir  nach  urrainn  peacadh  a 
dheanamh,  oir  tha  iad  an  comhnaidh  a'  gluasad 


8 


LATHAIREACHD  AN  TIGHEARNA— m6rACHD  DHE 


ann  an  lathair  Dhe  agus  ag  amharc  air  aghaidh- 
san.  A  chum  so  uile  thoirt  fainear  tha  riaghail- 
tean  mar  so  feumail  : 

1.  Cnuasaich  gu  trie  air  an  smuain  so :  gu  bheil 
Dia  uile-lathaireach,  agus  abair  mar  a  thuirt 
Daibhidh 

"  Cia  'n  t-ait  air  bith  am  faod  mi  dol, 
O  d'  spiorad  glic,  a  Dhe  ? 
O  d'ghnuis  ta  uile-leursaineach, 
Cia'n  taobh  a  theicheas  mi  " 

(Salm  cxxxix.  7). 

Ma  bhios  an  smuain  so  trie  aig  neach  eumaidh 
i  e  f o  bhuaidh  naomhachd  agus  eagal  Dhe. 

2.  Ann  a  bhi  dol  an  eeann  dleasdanas  toisieh 
le  bhi  eromadh  ann  an  aoradh  soluimte  do  Dhia 
— 'g  a  do  ehur  fhein  ann  an  lathair  Dhe — ag 
amhare  air  le  siiil  a'  chreidimh,  agus  a'  suidh- 
eachadh  do  mhiann  airsan  mar  aon  ehuspair 
an  aoraidh — aon  aobhar  do  dhoehais  agus  tobair 
do  bheannachdan. 

3.  Feuch  gu  faic  thu  anns  a'h-uile  ni  lathair- 
eachd  agus  oirdheareas  agus  cumhaehd  Dhe, 
agus  biodh  do  chomhluadair  ri  chreutaran  de 
'n  t-seorsa  a  threoraicheas  tu  chum  a'  chruith- 
fhear.  Anns  an  ghrein  faodaidh  tu  maise  Dhe 
fhaicinn.  Anns  an  teine  faodaidh  tu  a  bhlaths 
f haireachdainn.  Anns  an  uisge  faic  a  chaomha- 
lachd  chum  d'  urachadh.  Anns  an  di'iiichd  chi 
thu  e  ag  uisgeachadh  na  talmhainn  chum  fas 
a  thoirt  air  do  shiol  gus  aran  a  thoirt  dhuit. 
Mar  sin  cleachd  dhuit  fhein  a  bhi  faicinn 
cumhaehd  agus  gloir  agus  trocair  Dhe  ann  an 
uile  oibre  a  chruthachaidh. 

4.  Anns  an  uaigneas  biodh  comhluadair, 
comhradh,  gu  trie  eadar  d'anam  agus  Dia. 
"  Seachd  uairean  'san  la  molam  thu  ;  agus  am 
fairibh  na  h-oidhche  do  smuainich  mi  ort  's  mi 
gun  chadal."  B'ann  mar  sin  a  bha  Daibhidh. 
Gach  gearain  agus  buidheaehas  ;  gach  bron 
agus  aoibhneas  ;  gach  guidhe  agus  tionndadh 
cridhe  gu  Dia  anns  a'  chomhluadair  sin — de 
tha  sin  ach  a'  dol  gu  Dia  agus  a  bhi  'g  ad 
thaisbeanadh  fhein  'n  a  lathair  ?  Is  e  sin  mar 
a  thuirt  neach  eile  a  bhi  togail  teampull  do 
Dhia  'n  ar  cridheachan. 

5.  Taisbean  do  Dhia  gniomharan  graidh 
agus  eagail.  Oir  mar  a  tha  Dia  a  lathair  anns 
gach  aite  le  chumhachd  tha  e  'g  ar  gairm  gu 
urram  agus  eagal.  Ma  tha  e  lathair  ri  aghaidh 
d'fheuman   uile   tha   e   airidh   air   do   ffhradh. 


Mar  a  tha  sinn  an  comain  Dhe  air  son  gach 
maith  agus  gach  sochair  a  tha  'n  ar  beatha  tha 
e  iomehuidh  gun  aidicheadh  sinn  a  mhaitheas — 
gun  tugadh  sinn  iimhlachd  dha  a  chionn  gur 
toigh  leinn  e.  B'ann  raar  so  a  "  ghluais  Enoch 
maille  ri  Dia." 

6.  Cumamaid  air  chuimhne  gu  bheil  Dia 
annainn  agus  sinne  ann  an  Dia.  Is  sinn  obair 
a  lamh — na  milleamaid  e.  Tha  sinn  'n  a  lathair 
— na  truailleamaid  e  le  gniomh  neo-ghlan  is 
m^i-naomh, 

7.  Tha  Dia  ann  an  innigh  do  bhrathar — 
fuasgail  air  'n  a  fheum.  An  sin  tha  thu  toirt 
do  dheirc  am  fianuis  Dhe  agus  do  Dhia,  agus 
tha  mothachadh  aige-san  air  an  urachadh  a  tha 
thu  toirt  do  do  bhrathair. 

8.  Tha  Dia  anns  a'h-uile  h-aite  :  Abair  air 
an  aobhar  sin  gur  eaglais  a  tha  annta,  agus 
cleachd  thu  fein  mar  bu  choir  dhuit  a  dheanamh 
'san  eaglais — ach  leis  an  eadar-dhealachadh  so  : 
anns  an  eaglais  feumaidh  do  chleachdadh  cor- 
porra  a  bhi  iomehuidh  air  tigh  Dhe,  ach  an  so 
biodh  do  spiorad  agus  do  ghniomharran  fo 
smachd  na  diadhaehd  an  lathair  Dhe — a  chum 
nach  bi  aig  Dia  ri  gearain  oirnn  mar  a  rinn  e 
air  a  shluagh  a  roimhe  :  "  Chuir  mo  ghradh 
grainnealachdan  an  gniomh  ann  am  thigh-sa." 

9.  Tha  Dia  anns  gach  creutar.  Na  bi  an- 
iochdmhor  ri  aon  diubh.  Cuimhnich  naeh  'eil 
anns  na  creutaran  mar  a  tha  fior  a  thaobh  buill 
do  chuirp  ach  cuid  dhe  na  seomaran  as  lugha 
anns  a  bheil  Dia  a  chomhnaidh.  Bheannaich 
esan  iad  le  lathaireachd,  agus  naomhaich  e  iad 
's  e  air  beantainn  riu,  agus  chuir  e  air  leith  iad 
bho  fheum  mhi-naomh  air  dha  an  deanamh  'n 
am  pairt  de  ionad-comhnaidh. 

10.  Tha  fear  a'  gluasad  ann  an  lathair  Dhe  an 
uair  a  tha  e  gu  trie  an  comhluadair  ris  ann  an 
iirnuigh — a'  dol  dh'a  ionnsuidh  le  uile  thriob- 
laidean — a'  dol  a  dh'  iarraidh  comhairle  air 
uair  sam  bith  a  tha  e  ann  an  teagamh — a'sgaoil- 
eadh  uile  fheuman  air  a  bheulaibh — a'  gul  os 
cionn  a  pheaeaidhean  am  fianuis  Dhe — ag 
iarraidh  cobhair  's  e  ann  an  anmhuinneachd — 
am  fear  sin  air  a  bheil  eagal  Dhe,  mar  Bhreith- 
imh,  a  tha  toirt  urram  dha  mar  Thighearna  tha 
toirt  iimhlachd  dha  mar  Athair,  a  tha  toirt 
gradh  dha  mar  Dhia  grasmhor. 

Jeremy  Taylor. 


Morachd    Dhe 


OCIOD  e  Dia,  no  ciod  e  ainm, 
Cha  tuig  na  h-aingle  's  ard'  an  gloir ! 
E'n  solus  dealrach  folaicht'  uath', 
Far  nach  ruig  sixil  no  smuain  'n  a  choir. 


Uaith'  fein  a  ta  a  bhith  a'  sruth', 
Neo-chruthaichte  ta  uile  bhuaidh  ; 
Neo-chriochnach  'n  a  nadur  fein, 
'S  fein-dhiongmhaltas  'g  an  cumail  suas. 


Air 


3 


93 


Creideamh  Beannaichte 

"  Gidheadh  chreid  mise  gu  faicinn  maitheas  an  Tighearna  an  thr  nam  beo^ 

No  mar  a  tha  e  air  a  chur  aims  a'  Bheurla : 

Mur  Ve  gun  chreid  mi,  etc. 


CHAN  'eil  mi  ag  radh  nach  e  an  doigh  a  tha 
an  earrann  's  a'  Bheurla  as  fhaisge  air  mar 
a  tha  i  anns  an  Eabhra,  gidheadh  tha  iad  le 
cheile  cur  a'  chhii  air  a'  chreidimh."  Mur  b'e 
an  creideamh  cha  robh  dol  as  idir  aig  an  anam 
bhochd.  Ach  tha  an  t-eadar-dhealachadh  so 
eatorra  :  tha  Ghaidhhg  a'  toirt  duinn  smuainn 
choimhhonta,  ach  chan  'eil  a'  Bheurla  (no  an 
Eabhra)  a'  cur  crioch  idir  oirre.  Ma  sheallas 
tu  ris  an  earrainn  anns  a'  Bheurla  chi  thu  gu 
bheil  tri  facail  aig  a  toiseach  an  cruth  air  leth — 
an  cruth  'san  abhais  do'n  Bheurla  a  bhi  cur 
facail  nach  'eil  an  comh-fhreagairt  anns  an 
Eabhra.     Bu  cho  maith  dhuit  srianag  dhubh  a 

chur  'n  an  aite,  mar  so  :    " mur  b'e  gun 

chreid  mi  gum  faicinn  maitheas  an  Tighearna 
an  tir  nam  beo."  Feuch  an  cuir  thu  fein 
briathran  soilleir  air  an  t-srianaig.  ' '  Bha  mi  air 
fannachadh  "  tha  Bheurla  ag  radh.  Nach 
tachradh  na  bu  mhiosa  na  sin  dhuit-sa  mur  b'e 
gun  chreid  thu  ?  Is  e  tha  ann  nach  'eil  aon 
anam  de  theaghlach  a'  chreidimh  as  urrainn 
briathran  a  chur  air  a'  chor  thruagh  anns  am 
biodh  e  mur  b'e  gun  chreid  e  gu  faiceadh  e 
maitheas  an  Tighearna  an  tir  nam  beo.  Chan 
e  sin  a  mhain  ach  tha  e  cho  eagalach  's  nach 
'eil  an  Spiorad  Naomh  e  fhein  a'  deachdadh 
briathran  a  lionas  an  t-srianag  le  solus.  A 
bheil  fhios  nach  ann  a  mheas  e  gun  robh 
barrachd  oideachaidh  anns  an  t-srianaig  dhuibh 
no  ann  am  briathran  sam  bith  a  thuigeadh 
duine  ? 

Tha  aite  eile  anns  a  bheil  srianag  mhor  dhubh 
an  aite  briathran  soilleireachaidh.  Is  ann  an 
uair  a  tha  Maois  a'  tagar  as  leth  Israel,  is  iad 
air  a  bhi  ag  aoradh  do'n  laogh  oir  a  rinn  iad. 
"  Agus  phill  Maois  a  dh'ionnsaigh  an  Tigh- 
earna, agus  thuirt  e,  Och  !  pheacaich  an  sluagh 
so  peacadh  mor,  agus  rinn  iad  dhaibh  fein 
diathan  oir  :  "  is  fhiach  dhuit  an  ath  rann  a 
leughadh  anns  a'  Bheurla,  oir  is  i  Bheurla  moran 
as  fhaisge  air  an  Eabhra  an  so.  "  Ach  a  nise 
ma  mhaitheas  tu  am  peacadh — J-  "  Co  chuireas 
briathran  soilleir  air  an  t-srianaig  sin  dhuinn  ? 
Tha  Dia  a'  maitheadh  peacaidh  innte — peacadh 
mor,  agus  c6  as  urrainn  sin  a  bhreithneachadh. 
Bha  e  cho  mor  is  cho  iongantachd  an  sealladh 
Mhaois  gun  d'thugadh  Dia  maitheanas  peacaidh 
's  gun  theirig  bi-iathran  da.  Fhuair  e  sealladh 
air  cho  uamhasach  's  a  bha  am  peacadh — pea- 


cadh iodhol-aoraidh — agus  is  docha  gun  mheas 
e  'n  a  ni  ladarn  dhasan  gun  iarradh  e  eadhon  air 
Dia  a  mhaitheadh. 

Agus  air  an  laimh  eile,  bha  e  'n  a  ni  cho 
uamhasach  gum  biodh  anam  air  a  thoirt  thairis 
do  pheacadh  gun  mhaitheadh  is  nach  b'urrainn 
Maois  an  smuain  sin  a  ghiiilan.  Mur  toir  Dia 
maitheanas,  air  meud  a'  pheacaidh,is  roghnaiche 
leis  gun  sgriobadh  Dia  ainm  a  mach  as  an 
leabhar  a  sgriobh  e.  Mur  toir  Dia  maitheanas, 
CO  bheir  ?  An  urrainn  e  bhi  f  ior  gu  bheil  cuid 
ann  do  nach  toir  Dia  maitheanas  air  chor  air 
bith  ?  An  urrainn  e  bhi  gur  treise  cionta  no 
gras  eadhon  anns  an  t-saoghal  thruagh  so  ?  Ma 
tha  smuaintean  mar  sin  faisg  air  an  f  hirinn  nach 
toir  sinn  taing  do  Dhia  gu  bheil  corr  shrianag 
dhubh  anns  an  fhacal,  a  thug  Dia  dhuinn  mar 
riaghailt  beatha  g'  ar  treorachadh  air  slighe  na 
beatha  ? 

Beannaich  an  Tighearna  air  son  rann  anns  a 
bheil  an  t-srianag,  a  chuireas  tu  gu  smaoin- 
eachadh  agus  gu  rannsachadh.  Is  i  as  fhearr 
na  rann  anns  a  bheil  an  t-srianag  air  a  falach 
le  facal  air  an  smaoinich  duine. 

Tha  rann  eile  an  sud,  agus  rann  milis,  ach  a 
bheir  do  leor  dhuit  a  reiteach  :    "  Beannaichte 

an   Tigheai'na,  gach  la   'g  ar  cumail 

suas,  Dia  ar  slainte  !  "  (Salm  68/19).  Nach 
breagha  an  rann  sin  ?  Chan  iarrainn  a  chaoch- 
ladh. 

Ach  tha  Biobull  an  Gaidhlig  Eirionnach  ri 

mo  laimh Biobull  a  rinn  feum  mhor  anns 

a'  Ghaidhealtachd  mu'n  d'fhuair  sinn  am  Biobull 
anns  a'  Ghaidhlig  againn  fhein  ;  agus  so  mar 
a  tha  an  earrann  annsan  :  "  Go  madh  bean- 
nuigh  an  Tighearna  noch  threoruighios  sinn  go 
laetheamhuil,  Dia  ar  slanuighthe." 

'S  a'  Ghaidhlig  againne  tha  Dia  "  'g  ar  cumail 
suas,"    anns    a'    Ghaidhlig   Eireannaich   tha   e 

'g  ar  treorachadh." 

Anns  a'  Bheurla  is  e  tha  againn  smuain  eile  : 

"  Beannaichte an    Tighearna    a    tha    cur 

eallaich  de  nithean  maith  oirnn  gach  la,  Dia 
ar  slainte."  A  bheil  thu  an  duil  gun  cuir  sinn 
uile  ar  n-aonta  ris  an  sin  ?  Co  dhiubh  tha  gu 
leor  ann,  agus  an  Salmadair  air  fear  dhiubh,  a 
tha  dall  air  "  na  nithean  maithe." 

Chan  ainmich  mi  ach  fear  eile  :  Biobull 
Luther  'n  a  chanan  fhein.  "  Beannaichte  gun 
robh  an  Tighearna  gach  latha  !     Tha  Dia  a' 


s 


CREIDEAMH  BEANNAICHTE— EAGAL  GUN  AOBHAR 


cur  eallaich  oii'nn,  ach  tha  e  'g  ar  comhnadh 
mar  an  ceudna. 

Tha  tuilleadh  Bhiobull  an  so — tha  aon  leth- 
dusan — ach  tha  iad  gu  leir  a'  cur  cainnt  a  tha 
rud  eigin  eadar-dhealaichte  air  an  rann  mhihs 
ud.  Ciod  a  their  sinn  ?  Nach  can  gu  bheil 
saoibhreas  an  f  hacail  air  dol  thar  labhairt.  Tha 
an  aon  siiil  uisge  an  sud  agus  tha  daoine  a' 
tighinn  le'n  soithichean  as  gach  cearna  dhe'n 
t-saoghal,  agus  air  a'  mheud  's  a  tharruingeas 
iad  tha  ana  fuaran  cho  Ian  's  a  bha  e.  Tha  iad 
a'  tighinn  agus  ag  61,  agus  a'  toirt  gloir  do  Dhia 
air  son  a  mhaitheis.  Theagamh  nach  e  an  aon 
fheum  a  tha  air  dithis — tha  beannachdan  an 
Tighearna  air  an  cur  an  iomadh  cruth.  Tha  e 
air  aithris  nach  b'e  an  aon  bhlas  a  bha  aon  dithis 
a'faotainn  air  a'  Mhana  anns  an  fhasach — gun 
robh  a'h-uile  duine  a'  faotainn  an  aon  bhlas  a 
b'aill  leis  air. 

Bha  da  mhinisteir  urramach  an  Canada. 
B'aithne  dhomh  iad  gu  maith  le  cheile — b'e  an 
darna  fear  dhiubh  ministeir  a'  choimhthionail 
a  b'abhais  dhomh  bhi  frithealadh  na  bliadh- 
nachan  ud.  Thachair  dhaibh  a  bhi  an  cuid- 
eachd  a  cheile  air  theachdaireachd  o'n  Eaglais, 
agus  an  uair  a  rainig  iad  an  ceann-uidhe  is 
ann  aig  mo  charaid  a  bha  ri  dhol  an  ceann 
dleasdanais,  agus  is  maith  a  thigeadh  sin  da. 
An  uair  a  sgaoil  an  t-seirbhis  agus  a  thainig 
iad  a  steach  do'n  tigh-oigheachd  thoisich  iad 
air  comhradh.  "  A  sheumais,"  arsa  an  seann 
mhinisteir, "  cha  d'thug  thu  ceartas  do'n  cheann 
teagasg  ud — cha  robh  do  chuid  teagasg  fallain." 
"  Seadh,  Iain,"  arsa  Seumas,  "  an  e  sin  do 
bharail  ?  Ach  Iain,  a  bheil  thu  fein  cho  gorach 
's  gu  bheil  thu  an  duil  nach  'eil  beachd  duine 
sam  bith  air  an  earrann  ud  fallain  ach  do  bheachd 
fhein  ?  "  Cha  robh  tuille  aig  Iain  ri  radh,  agus 
cha  deach  a  mheas  air  Seumas  leud  na  roine  na 
bu  lugha,  aon  chuid  air  son  a  shearmon,  no  air 
son  an  achmhasain  chiuin  a  f  huair  e  uaithe. 

Bha  gille  bg  uair  an  ceann  coinnimh  anns  an 
talla  agam — cha  robh  e  trie  'san  t-seirbhis.  An 
uair  a  chriochnaich  e  a'  choinneamh  am  feasgar 
ud  's  e  thuirt  e  :  "  Ni  sud  a'  chuis.  Thug  sinn 
as  an  earrainn  ud  na  bha  innte."  B'fhearrde 
am  fear  ud  greis  a  chur  seachad  an  cuideachd 
nam  firean  is  iad  a'  feuchainn  ri  spiorad  na 
firinn  a  leantainn  'san  earrainn  so,  no  anns  an 
earrainn  ud  eile  leis  na  thoisich  sinn.  Is  e 
rainn  mar  sud  a  chuireas  duine  gu  rannsachadh 
cridhe  is  anam.  Chan  e  nach  fhaod  neach  a 
chomhairle  a  chur  ri  cuid  dhe  ne  seann  naoimh, 


ach  ciamar  a  chuireadh  iad  cainnt  air  an  t- 
srianaig  dhuibh,  no  air  a'  chomharra  aig  na 
stad  faidh  no  Abstol. 

Faighnich  de  Mhaois  ciamar  a  chuireadh  e 

cainnt  air  a'  bhad  ud mur  b'e  gun  chreid 

mi.  Ciod  a  theireadh  e  ?  Theireadh  nach 
robh  teagamh  gum  biodh  e  'n  a  Eiphiteach 
uailleil  agus  soirbheachail,  'n  a  namhaid  do 
luchd-riaghlaidh  a  tirean  coimheach,  mur  biodh 
e  fhein  air  a  chlaoidh  leis  na  coimhich.  Bhiodh 
e  sin  CO  dhiubh  air  a'  chuid  bu  lugha.  Co 
b'urrainn  a  radh  nach  biodh  a  thir  air  a  spuin- 
neadh  agus  e  fhein  's  a  thigh  an  geimhlean  a' 
bhraighdeanais,  mar  a  thachair  do  dhaoine  eile 
roimhe. 

Ach  a  bharrachd  air  an  sin  cha  bhiodh  fhios 
aige  a  chaoidh  air  a  chall  spioradail,  mur  b'e 
gun  chreid  e.  Ach  chreid  e,  rinn  e  roghainn 
amhghair  fhulang  comhla  ri  sluagh  Dhe  an 
creidimh  beo.  A  chionn  gun  rinn,  rinn  Dia 
curaidh  mor  dheth,  Ceannard  gaisgeil,  aon  dhe 
na  naoimh  air  an  do  chuir  e  urram  nach  bu 
bheag — fear  a  labhair  ri  Dia  aghaidh  ri  aghaidh. 

Cuir  a'  cheist  air  loseph  ach  ciamar  a  chuir- 
eadh esan  briathran  air  an  t-srianaig  fhalamh. 
Dh'fhaodadh  e  radh  gum  biodh  e  fo  mheas  aig 
athair — sin  air  a'  chuid  bu  lugha.  Bhiodh  e 
saoibhir  an  spreidh  ged  nach  robh  e  gle  gheall- 
tanach  gum  biodh  a'  chilis  eadar  e  fhein  's  a 
bhraithrean  gle  reith.  Ciod  e  air  an  t-saoghal 
a  b'fhiach  sin  an  coimeas  ris  an  ni  a  dh'fhaodadh 
e  bhi  ?  Ach  chreid  e  agus  air  an  aobhar  sin 
rinn  Dia  aon  dhe  naoimh  bu  shoirbheachail  am 
measg  dhaoine  dheth.  Bu  mhaith  do'n  Eiphit 
gun  chreid  e —  cha  robh  fear  eile  'n  a  la  a 
sheasadh  aite  mar  fhear-riaghlaidh  air  an  tir. 

Rinn  e  sin  ann  an  doigh  cho  uasal,  cho  glic, 
cho  soirbheachail,  is  gun  robh  e  fa-dheoidh  'n 
a  shamhla  air  fear-saoraidh  an  t-saoghail,  agus 
gu  bheil  e  sin  gus  an  la  an  diugh. 

Faighnich  de  Phol  ciod  e  chainnt  a  chuireadh 
e  air  an  t-srianaig  dhuibh.  Tha  mi  cinnteach 
nach  biodh  e  mall  'n  a  fhreagairt.  "  A  bha 
roimhe  am  fhear-labhairt  toibheum  agus  am 
fhear  geur-leanmhainn,  agus  am  dhuine  eucor- 
ach.  Ach  fhuair  mi  trocair,  do  bhrigh  gun  do 
rinn  mi  so  tre  aineolas  ann  am  mi-chreidimh. 
Is  fior  an  radh  so,  agus  is  airidh  e  air  gach  aon 
chor  air  gabhail  ris,  gun  d'thainig  losa  Criosd 
do'n  t-saoghal  a  thearnadh  pheacach,  d'am 
mise  an  ceud  fhear." 

■ •  mur  b'e  gun  chreid  mi  gu  faicinn  maUheas 

an  Tighearna  an  tir  nam  bed. 


Eagal  gun  Aobhar 


ANN  an  leabhar  beag  boidheach  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  boirionnach  (bu  mhaith  leam 
a  chreidsinn  gu  bheil  i  fhein  boidheach  cuid- 
eachd) tha  naigheachd  mu  Aingeal  a  bu  mhaith 


leam  innseadh.  La  a  bha  an  t-Aingeal  so  air 
a  chuairt,  a'ruith  air  turusan  'Athar,  chual  e 
paisde  a'  caoineadh  gu  goirt.  Cha  robh  an  la 
ach   bg  ;  bha    am   paisde    'na   shuidhe    air   an 


EAGAL  GUN  AOBHAR 


3 


talamh  agus  a'  ghrian  air  a  chul,  ag  amharc  gu 
dill-  air  fhaileas  fein  a  bha  cur  eagail  air,  agus 
a'  caoineadh  gu  goirt. 

"  Ciod  a  tha  cearr  ort,"  ars'  an  t-Aingeal  ris. 

"  Tha  an  saoghal  cho  dubh,  dorcha,"  ars'  am 
paisde  ;  "  chan  'eil  e  soilleir  no  boidheach  ;  c'ar 
son  a  dh'  fheumas  mi  fantuinn  'na  leithid  de 
aite." 

"  Nach  'eil  thu  a'  cluinntinn  nan  eun  a' 
seinn,"  ars'  an  t-Aingeal,  "  agus  a'  ehlann  bheag 
a'  cluich." 

"  Tha,"  ars'  am  paisde,  "  tha  mi  'g  an  cluinn- 
tinn ach  chan'eil  fhios  agam  c'aite  a  bheil  iad  ; 
chan  urrainn  mi  dad  fhaicinn  ach  am  faileas  so." 

Thog  an  t-Aingeal  am  paisde  agus  chuir  e  air 
a  chasan  e  agus  'aghaidh  ris  a'  ghrein.  "  Seall 
a  nis,"  ars'  an  t-Aingeal  ris. 

Shiab  am  paisde  na  deoir  bho  shiiilean,  agus 
rud  a  b'iongantaiche  leis,  bha  na  h-achaidhean 
gorm  agus  buidhe  mar  an  t-6r  (dh'  fhalbh  an 
dubh  is  an  ciar)  agus  chunnaic  e  a'  ehlann  a' 
ruith  agus  a'  leum  le  moit. 

"  Ho,  Ho,"  ars'  esan,  "  sin  iad,  sin  iad  !  " 

"  Seadh,"  ars,  an  t-Aingeal,  "  sin  iad  !  " 

"  Ho,  Ho,"  ars'  esan  a  rithist,  "  sin  a'  ghrian 
a'  dearrsadh  !  " 

"  Bha  i  a'  dearrsadh  fad  na  h-liine,"  ars'  an 
t-Aingeal. 

"  Ho,  Ho,"  ars,  am  paisde,  "  dh'  fhalbh  am 
faileas." 

"  Cha  d'  fhalbh  e  idir,"  ars'  an  t-Aingeal, 
"  ach  tha  e  a  nis  air  do  chiilaobh /«/•  an  coir 
dha  a  hhith. 


Ann  an  te  de  na  sailm  (liii.  3),  tha  an  salm- 
adair  ag  I'adh,  An  sin  ghahh  iad  eagal  mor  an 
uair  nach  robh  aobhar  eagail  ann.  Tha  na  daoine 
mora  cho  mhaith  ris  na  daoine  beaga  a'  faicinn 
sgailean  no  faileasan  a  bhios  a'  cur  eagail  orra, 
ach  is  e  rud  as  miosa  nach  'eil  aingeal  a'  tighinn 
thuca  a  bheireas  air  ghualainn  orra  agus  a 
thionndas  mu'n  cuairt  iad,  gus  am  bi  na  sgailean 
sin  air  an  ciilaobh  far  an  coir  daibk  a  bhith. 
Thig  an  t-eagal  gun  sireadh  gun  iarraidh,  ach 
an  uair  a  thig  e  cuiridh  e  saorsa  is  sonas  a  mach 
air  an  dorus.  Ma  chumas  tu  do  shiiilean  agus 
do  chluasan  fosgailte  chi  thu  nach  'eil  rud  eile 
ann  a  tha  milleadh  sith  is  sonas  dhaoine  cho 
mor  ri  eagal,  agus  sin  eagal  gun  aobhar,  eagal 
roimh  f  haileasan. 

Sgriobh  duine  6g  a  bha  an  da  chuid  'na 
sgoilear  agus  'na  dhiadhair,  Seumas  Halley, 
mar  so  gu  phiuthair  aig  am  bliadhn'  iiire,  "  Chan 
urrainn  mi  innseadh  dhuit  mar  a  tha  e  cheana 
'g  am  ghortachadh  gu'm  feum  mi  gu  goirid  ann 
an  cursa  an  Fhreasdail  ceann  m'  athar  a  leagail 
anns  an  uaigh.  Tha  e  nis  'na  sheann  duine ;  bidh 
e  tri  fichead  air  an  t-Sabaid  so  a  tha  tighinn." 

Bha  Seumas  Halley  tri  bliadhna  fichead  an 
uair  a  sgriobh  e  an  litir  so,  ach  shiubhail  e  ceithir 


bliadhna  'na  dheidh  sin  agus  leag  athair  a  cheann- 
san  anns  an  uaigh.  Bha  an  seann  duine  fathast 
gu  laidir  aig  bas  a  mhic. 

Chiim  am  mac  bas  athar  mar  sgail  dhubh  air 
a  bheulaobh,  air  chor  agus  gu'n  do  ghabh  e 
eagal,  agus  gun  aobhar  eagail  ann.  Tha  mi 
cinnteach  gu'n  iarradh  Criosd  air  a  thilgeil  air 
a  chiilaobh,  oir  thubhairt  e  aon  uair  r'a  dheiscio- 
buil,  "  Is  leoir  do'n  la  olc  fein,"  agus  ciod  a  tha 
sin  a'  ciallachadh  ach  gur  ann  air  ar  ciilaobh  is 
coir  do  na  sgailean  a  bhith. 

Ma  chuireas  e  iongantas  ort  a  chluinntinn 
cho  trie  's  a  tha  eagal  air  daoine  gun  aobhar 
chuireadh  e  iongantas  a  bu  mho  ort  a  chluinn- 
tinn cuid  de  na  nithean  a  bhios  a'  cur  eagail 
orra;  n'am  b'aithne  dhuit  an  dara  leth  dhiubh 
theireadh  tu  gur  e  mac  an  duine  creutair  as  neo- 
reusanta  a  chruthaich  Dia.  Ciod  a  their  thu  ris 
an  duine  nach  robh  posda  ach  fichead  bliadhna 
agus  a  thoisich  air  inntinn  fein  a  dheanamh 
carraideach  leis  an  eagal,  na'm  biodh  e  fhein 
agus  a  bhean  beo  deich  bUadhna  fichead  eile, 
gu'm  biodh  lubilee  am  bainnse  ann,  agus  gu'm 
feumadh  e  eirigh  suas  agus  oraid  a  dheanamh 
a  thoirt  taing  do  na  cairdean  a  bhiodh  cruinn 
a  dh'  61  an  deoch-slainte  ?  Sin  agad  duine  a 
bha  glic  crionna  ann  an  ciiisean  eile,  ach  bha 
an  sgail  ud  a'  deanamh  a  bheatha  dorcha,  eagal 
na  lubilee  a  bha  deich  bliadhna  fichead  air 
thoiseach  air. 

Saoileadh  tu  nach  'eil  e  comasach  do  dhuine 
glic  eagal  a  ghabhail  roimh  fhaileas  cho  faoin, 
ach  tha  cridhe  mhic  an  duine  anabarrach 
diomhair  agus  cho  domhain  ris  a'  chuan,  agus 
cha  rachainn  bonn  an  urras  nach  'eil  sgail  a 
cheart  cho  faoin  agus  cho  fad  as  a'  cur  fiamh  ort 
fhein  agus  orm  fhein  cuideachd,  na'n  innseam- 
aid  an  fhirinn  gu  saor,  gun  dad  a  chleith.  Tha 
sgailean  nach  creideadh  tu  a'  luidhe  air  daoine 
nach  saoileadh  tu. 

Cha  robh  Tomas  Huxley  a'  creidsinn  anns  an 
aiseirigh,  ach  sgriobh  e  mar  so  gu  Iain  Morley, 
"  Bidh  e  air  uairean  a'  cur  seorsa  de  uamhas 
orm  gu'm  basaich  mo  spiorad,  agus  nach  bi  fhios 
agam  ceud  bliadhna  'na  dheidh  so  ciod  a  tha 
tachairt.  B'  fhearr  leam  gu  mor  a  bhi  ann  an 
ifreann  (na'm  freagradh  an  t-sid  orm  agus  na'm 
biodh  mo  chompanaich  car  beusach)  seach  a 
bhith  air  mo  chur  a  bith  uile  gu  leir."  Air  an 
laimh  eile  faodar  a  ghabhail  gu  bheil  a  h-uile 
sagart  agus  ministear  a'  creidsinn  anns  a' 
bheatha  mhaireannaich,  ach  aidichidh  cuid 
dhiubh  gu  bheil  beatha  gun  chrioch  'n  a  eagal 
agus  'na  uamhas  daibh. 

"  Chan  eil  mise  a'  creidsinn  ann  an  tamhaisg," 
arsa  Frangach  geur,  "  ach  air  a  shon  sin  tha 
eagal  agam  romhpa."  Sin  agad  an  staid  inn- 
tinn anns  a  bheil  moran  de  shluagh  an  t-saoghail 
an  diugh  ;  tha  eagal  aca  roimh  uilc  anns  nach 
'eil  iad  a'  creidsinn,  agus  roimh  uilc  nach  'eil 
idir  ann,   Tha  na  ceudan  ann  a  tha  'nan  daoine 


EAGAL  GUN  AOBHAR— CAIRDEAN  PHOIL 


glic  pongail  ach  air  a  shon  sin  ma  thachras 
daibh  sgathan  a  bhi-iseadh,  no  a'  chuthag  a 
chluinntinn  agus  gun  bhiadh  'nam  broinn,  no 
coiseachd  fo  fharadh  gun  fhios  daibh,  no  tach- 
airt  air  droch  comhalaiche,  no  coileach  no 
fitheach  no  caileach-oidhche  a  chluinntinn  aig 
uairean  sonraichte,  cuiridh  na  nithean  sin  bharr 
an  siiiil  iad  coltach  ris  a'  phaisde  bheag  a  bha 
a'  caoineadh  le  eagal  roimh  fhaileas. 

Uair  a  bha  feai'-tarruing  dhealbh  (duine  a  bha 
ainmeil  'na  latha)  a'  teagasg  na  h-ealadhain  sin 
do  oileanaich  oga  thuirt  e  riutha,  "  An  uair  a 


bhios  sibh  a'  tarruing  neul  anns  an  speur,  air 
cho  dubh  dorcha  's  gam  bi  na  neoil,  cuimh- 
nichibh  gu'm  feum  sibh  an  cur  astar  maith  air 
falbh.  Is  e  ar  ghocas  buntainn  anns  a'  cheart 
doigh  so  ris  na  neoil  a  bhios  ag  eirigh  air  speur 
na  h-inntinn,  an  cumail  astar  bhuainn.  Is  trie 
a  chithear  neoil  as  nach  tig  deur  uisge,  agus 
theagamh  nach  tig  thugad  a  maireach  no  gu 
brath  am  freasdal  sonraichte  a  tha  cur  eagail 
ort.  "  An  ti  a  bheir  an  aire  do'n  ghaoith  cha  chuir 
e  stol ;  agus  an  ti  a  dh'  amhairceas  air  na  neoil 
cha  hhuain  e." 


Cairdean  Phoil 


Lucas 


CHAN  'eil  moran  ainmean  'san  Tiomnadh 
Nuadh  air  an  eolaiche  daoine  na  an  t-ainm 
Lucas.  An  deidh  sin  chan  'eil  e  air  ainmeach- 
adh  ach  tri  uairean,  'sna  h-uairean  sin  fein,  chan 
'eil  e,  gu  beag,  ach  air  ainmeachadh. 

An  uair  a  smuainicheas  sinn  air  an  duine 
mor  'san  duine  maith  a  bha  'n  Lucas,  tha  sin 
iongantach.  Air  aon  ni,  bha  e  mor  ann  an 
irioslachd.  Cha  robh  ni  bu  taitniche  leis  na  bhi 
sgriobhadh  mu  fheadhainn  eile  ;  ach  chan  'eil 
e  toirt  guth  air  f  hein.  Bha  sin  gle  neo-chumanta 
'n  a  latha.  Homer,  Tacitus,  Plutarch,  Xeno- 
phon  :  sgriobh  iad  fo'n  ainmean  fein.  Tha 
mineachadh  a'  ghnothuich  r'a  fhaotainn  anns 
an  eadar-dhealachadh  a  tha  eadar  creidimh  an 
t-Soisgeil  agus  na  h-uile  creidimh  eile.  Bha  losa 
iriosal  agus  macanta  an  cridhe.  Tha  thoradh 
sin  ri  f haicinn  anns  an  t-Soisgeul.  A  bharrachd 
air  sin  air  do  Phol  fios  a  bhi  aige  air  nadur 
Lucais,  sgriobh  e  cho  beag  's  a  b'urrainn  e  mu 
thimchioll. 

Gidheadh,  am  beagan  a  tha  air  a  chantainn 
mu  Lucas  bha  e  neo-chumanta.  Cha  robh  na 
lighichean  ach  tearc  'n  a  latha.  Faodaidh  nach 
robh  Lucas  f  hein  'n  a  lighiche  mur  b'e  gun  robh 
e  'n  a  Ghreugach.  Thoisich  eolas  leighis  leosan 
— le  fear  d'am  b'ainm  Aesculapius,  400  bliadhna 
mu'n  d'thainiff  an  Slanuiffhear.  Bha  Lucas  'na 
fhoghlumaiche  ann  an  latha  neo-fhoghluimte. 

Am  measg  luchd-leanmhainn  Chriosd  cha 
robh  ach  dithis  foghluimte — Lucas  agus  Pol. 
Chan'eil  sin  'n  a  thuaileas  air  foghlum  ach  air 
nadur  dhaoine  a  tha  deanamh  mi-fheum  de 
fhoghlum,  an  uair  a  tha  iad  air  an  seideadh 
suas  do  bhrigh  's  gur  aithne  dhaibh  barrachd  's 
is  aithne  do  fheadhainn  eile.  Air  nihodh 
spioradail,  chan  aithne  do  dhuine  ni  sam  bith 
ach  anns  an  tomhas  anns  an  aithne  dha  Dia  ann 
an  losa  Criosd.  Sin  an  rathad  ann  sam  faighear 
an  comhnuidh  am  foghlum  as  mo  ann  an  lion 
an  t-Soisgeil. 

Ach  is  ann  a  tha  ar  gnothuch  ris  na  priomh 


nithean  ann  am  beatha  Lucais,  a  reir  agus  mar 
is  aithne  dhuinn  iad.  Tha  e  coltach  gun  do 
choinnich  Pol  agus  Lucas  an  toiseach  ann  an 
Troas.  Bha  Pol  air  iir-thighinn  a  Galatia,  ann 
an  slainte  nach  robh  idir  maith.  Bha  feum  aige 
air  lighiche,  agus  mar  sin  chaidh  Lucas  a  ghairm 
a  stigh.  Bha  sin  beagan  tiine  an  deidh  do  Iain 
Mai'c  dealachadh  ri  Pol — ni  a  dh'fhairich  Pol  gu 
mor.  B'e  sin  a  ghluais  e  gu  beanntan  Ghalatia — 
dochas  gum  faigheadh  e  na  b'fhearr.  Ach  o'n 
bha  an  t-asdar  fada,  cunnartach,  dhiult  Iain 
Marc  dol  na  b'fhaide,  gidheadh  chum  Pol 
roimhe,  agus  fhuair  e  na  b'fhearr  ;  ach  cha  bu 
luaithe  a  rainig  e  Troas  na  thoisich  a  thrioblaid 
a  ris.  Thoisich  cuideachd  an  co-chomunn  ri 
Lucas,  an  "  leigh  gradhach  "  a  lean  cho  fada 
agus  a  lean  beatha  Phoil.  B'e  an  duine  de  na 
h-uile  dhaoine  air  am  b-fheumaiche  Pol.  Tha 
nithean  ann  ris  an  canar  call  a  tha  da-rireamh 
'n  am  buannachd. 

An  ath  uair  a  chi  sinn  Pol  is  ann  am  Philipi, 
ceann  bhaile  Mhacedonia.  Bha  e  air  a  thar- 
ruing  an  sin  le  sealladh  a  chunnaic  e  's  an 
oidhche,  "  duine  o  Macedonia  ag  radh  :  Thig 
thairis  gu  Macedonia  agus  cuidich  leinne." 
Tha  cuid  de'n  bheachd  gum  b'e  Lucas  fhein 
"  an  duine  o  Mhacedonia  "  ;  tha  e  air  a 
radh  gum  buineadh  e  do  Mhacedonia,  agus 
gum  faodadh  gu'n  chuir  e  impidh  air  Pol 
dhol  gu  Macedonia  an  aite  dhol  do'n  Asia, 
mar  a  bha  duil  aig  Pol  fein.  'S  docha  leinn 
a  bhi  creidsinn  cunntas  Lucais  fhein  air  a' 
ghnothuch. 

Co  dhiubh,  gu  Philipi  chaidh  Pol,  agus  maille 
ris  Lucas,  Silas  agus  Timoteus.  An  iiine  ghoirid 
bha  am  baile  air  a  ghluasad  gu  mor — cuid  le 
Pol,  a'  chuid  bu  mho  'na  aghaidh,  gus  mu 
dheireadh  an  robh  Pol  agus  Silas  air  an  tilgeil 
am  prioson.  Chan  'eil  e  doirbh  a  thuigsinn  mar 
a  bha  speis  Lucais  air  a  ghluasad  le  sin — 
iompachadh  Lidia,  iompachadh  na  nighinn  oig 
anns  an  robh  spiorad  fiosachd,  agus  iompachadh 


CAIRDEAN  PHOIL— LIFE  AND  CONDUCT 


fear-coimhid  a'  phriosoin  :  iad  uile  eadar- 
dhealaichte,  ach  iad  uile  air  an  iompachadh  ; 
Lidia,  le  fosgladh  a  cridhe  cho  sitheil  ri  eirigh 
na  greine  ;  a'  bhan-fhiosiche,  le  cumhachd  a 
dh'fhuadaich  air  falbh  na  spioradan  fiosachd 
mar  a  ghaoth  na  neoil  dhorcha  ;  agus  fear- 
coimhead  a'  phrisoin  mar  aithinne  air  a  spion- 
nadh  as  an  losgadh. 

Chi  sinn  Lucas  a  rithist  ann  an  cuideachd 
Phoil  an  Ceasarea-Philipi  agus  'san  Roimh.  A' 
fagail  Ceasarea-Philipi  tha  sinn  'g  am  faicinn 
air  an  t-slighe  chum  na  RoiiTihe,  agus  a'  fulang 
long-bhriseadh  mun  do  rainig  iad  an  ceann- 
uidhe.  Da  bhliadhna,  co  dhiiibh,  chuir  iad 
seachad  ann  an  sin  mun  do  chuireadh  Pol  gu 
bas.  Is  e  gle  bheag  a  tha  air  innse  dhuinn  mun 
da  bhliadhna  sin.  Tha  fhios  againn  gu'n  do 
sgriobh  Pol  litir  an  deidh  litir  a  chum  nan 
eaglaisean.  Chan  'eil  e  doirbh  cuideachd  dealbh 
a  dheanamh  do  Phol,  agus  do  Lucas  a'  cur 
seachad  na  h-uine  a'  dol  thairis  air  na  h-aitean 
anns  an  do  shaothraich  iad.  Comhla  ri  sin,  an 
drasda  'sa  rithist,  thigeadh  duine  is  duine  a 
stigh  a  sheanchas  riu,  agus  a  dh'eiseachd  an 
t-Soisgeil,  am  measg  an  robh  moran,  mar  a 
dh'fhaodas  sinn  a  chreidsinn,  a  thainig  mar  sin 
gu  bhi  air  aireamh  nan  creidmheach.  Chan  'eil 
e  doirbh  cuideachd  a  chreidsinn  mar  a  labhradh 
iad  bliadhnachan  as  deidh  sin  air  na  chuala 
agus  a  laimhsich  agus  a  bhlais  iad  do  cumhach- 
dan  an  t-saoghail  ri  tighinn  ann  an  comunn 
nach  coinnicheadh  comhla  tuilleadh  gus  an 
coinnicheadh  iad  an  lathair  Dhe.  Tha  sin  uile 
soilleir.  Tha  e  soilleir  cuideachd  gum  b'e  Lucas 
a  sgriobh  an  Soisgeul  a  tha  giiilan  ainme,  agus 
Gniomharan  nan  Abstol.  Cha  b'urrainn  cuimh- 
neachan  a  bhi  na  b'fhearr.  Bha  meas  mor  aig 
Banrigh  Victoria  air  Iain  Brunach,  an  seirbhi- 
seach  Gaidhealach  a  bha  aice.  Bhiodh  i  ag 
radh  nach  robh  ann  ach  dithis  air  nach  robh 
athadh  cur  'na  h-aghaidh  : — Iain  Brimach  agus 
William  Ewart  Gladstone.  An  uair  a  chaochail 
am  Brunach  chuir  i  suas  carragh-cuimhneachain 
da  ann  am  Balmoral  air  an  do  sgriobh  i  na 
briathran  a  leanas  : 


Cha  b'e  seirbhiseach,  ach  caraid, 
Seasmhach,  dileas,  neo-sgathach  ; 
E  fein  -na  bu  lugha  na  dhleasdanas 
A  chum  a  bhais. 

B'e  sin  cuideachd  cliii  Lucais  "  an  Leigh 
gradhach."  B'e  an  aon  neach  a  bha  comhla  ri 
Pol  an  uair  a  chuireadh  gu  bas  e.  Ciod  e  a 
thachair  da  fein — chan  eil  e  air  innse.  Tha  beul- 
aithris  ag  radh  gun  d'fhuair  e  criin  marturaich 
cosmhail  ri  Pol  fein. 

Faodaidh  gun  robh  sin  mar  sin.  Is  e  an  aon 
ni  a  tha  cinnteach,  nach  'eil  an  seorsa  sin  a' 
basachadh  idir.  Tha  iad  beo  'n  an  oibre,  oir 
leanaidh  an  oibre  iad. 

Tha  sin,  ma  tha,  a  riarachadh  iarrtus  a' 
chridhe— chan  e  mhain  a  bhi  beo,  ach  a  bhi  beo 
gu  brath.  Car  son  a  tha  a  liuthad  carragh- 
chuimhneachan  air  a  chur  suas,  a  liuthad  leabhar 
air  a  sgriobhadh,  a  liuthad  blar  air  a  chur,  ach 
o  iarrtus  a  bhi  beo  agus  beo  gu  brath.  Tha 
doigh  ann  nis  fhearr  na  sin,  agus  rinn  Lucas 
roghainn  dheth  ann  an  laithean  oige.  Tha  sin 
'n  a  eisimpleir  do'n  oigridh.  "  Roghnaichibh 
an  diugh  c6  d'an  dean  sibh  seirbhis." 

An  uair  tha  sin  mar  is  coir  da  bhi,  comhdaich- 
idh  e  duine  le  maise,  seasmhachd,  caii'dealachd. 
Leanaidh  sin  an  uair  nach  lean  cusbair  a' 
chairdeis.  Chan  urrainn  eadhon  am  bas 
cuimhne  'thoirt  uainn  air  an  ni  a  bha  iad 
dhuinne,  agus  sinne  dhaibhsan.  An  uair  nach 
robh  lonatan  tuilleadh  ann  leagh  cridhe 
Dhaibhidh  a'  cuimhneachadh  an  ni  a  bha  e  dha. 
"  B'iongantach  do  ghradh  dhomh-sa  a'  toirt 
barrachd  air  gradh  nam  ban  !  "  Dh'fhaodadh 
Pol  sin  a  radh  mu  Lucas. 

Aon  ni  eile,  agus  chi  sinn  maise  na  h-irioslachd 
gle  shoilleir  ann  am  beatha  Lucais.  Tha  sinn 
ag  radh  maise  do  bhrigh  's  g'um  bheil  an  saoghal 
an  tomhas  mor  dall  do'n  t-subhailc  sin.  An 
duine  nach  cuir  e  fein  air  thoiseach  fagaidh  an 
saoghal  air  dheireadh  e.  Ach  ciod  e  dhe'n  sin  .'' 
Is  e  iadsan  a  mhain  a  tha  beag  'nan  siiilean 
fhein  a  tha  mor  ann  an  siiilean  Dhe.  Dealrai- 
chidh  iad  f  hathast  mar  a'  ghrian  ann  an  I'iogh- 
achd  an  Athar  fein.  E.  G. 


"  Life  and  Conduct  " 


SGRIOBH  Sir  Seumas  Cameron  Lees,  D.D., 
LL.D.,  nach  maireann,  leabhar,  air  an 
d'thug  e  "  Life  and  Conduct."  Is  e  mo  bheachd 
gun  cuireadh  Sir  Seumas  fhein  aonta  ris  an 
doigh  a  ghabh  ar  caraid  air  a'  chuid  mhor  dheth 
a  chur  an  Gaidhlig.  Tha  sinn  a'  toirt  earrainn 
no  dha  dheth  an  so  ann  an  Gaidhlig  a'  charaid 
urramaich  a  chuir  air  an  doigh  so  e. 

Modh 

Is  e  tha  ann  am  modh  taisbeineadh  tlachd- 


mhor  no  mi-thlachdmhor  air  ar  riiintean  no  ar 
smuaintean. 

Tha  deagh  mhodh  aig  eirigh  hho,  (a)  f  hein-speis, 
(6)  cho-fhaireachadh  do  m^huinntir  eile.  Am  fear 
aig  a  bheil  speis  dha  fhein  cha  chan  's  cha  dean 
e  ni  a  chuireas  sgannal  air  neach  eile.  Bidh 
a'  neach  so  curamach  nach  toir  e  pian  no 
oilbheum  do  neach  eile.  Gun  teagamh  "saoil- 
idh  am  fear  a  bhios  gun  mhodh  gur  modh  am 
nii-mhodh." 

Tha  deagh  mhodh  a'  cur  maise  air  cliii.  Ged 
nach  dean  modh  ni's  mo  na  aodach  duine,  ni  e 


6 


LIFE  AND  CONDUCT 


deagh  atharrachadh  air.  Urrani  an  cainnt, 
labhairt  oileanach,  cleachdadh  modhail,  ni  iad 
sin  duine  maiseach,  ach  ni  gairbhe,  mi-mhodh, 
agus  coimheachas  mi-dhreach  a  chur  air  agus 
ni  iad  cron  air  fheum.  Oir  "  cha  do  bhrist 
deagh  urram  ceann  duine  riamh." 

Cuidichidh  deagh  mhodhgu  mor  le soirhheachadh. 
Duinidh  gairbhe  agus  gruamaehd  dorsan,  ach 
fosgailidh  caomhalachd  agus  finealtachd  iad. 
Agus  seachnaidh  na  h-uile  neach  an  duine  borb, 
nii-oileanta.  Tha  so  fior  mu  fhear-labhairt 
agus  mu  f  hear-reic.  Ann  am  buth  tha  aon  f  hear 
a  tha  aoigheil,  tlath,  agus  fear  eile  a  tha 
coimheach  'n  a  chainnt,  coma  co-dhiubh  tha 
muinntir  riaraichte  leis  no  nach  eil.  Tha  meas 
aig  na  h-uile  neach  air  a'  cheud  fhear,  agus 
cha'n'eil  meas  aig  neach  sam  bith  air  an  fhear 
eile. 

Cuiridh  deagh  oilean  trie  naimhdeas  'na  tosd. 
Faodaidh  droch  bheachd  a  bhi  aig  sluagh 
dhinn  fhein  agus  dhe'n  aobhar  a'  tha  sinn 
a'tagradh.  Is  iongantach  mar  a  leaghas  deagh 
oilean  cruas  a  leithid  so  de  mhuinntir.  Tha 
modhalachd  'n  a  h-iuchair  gun  mheirg  a 
dh'fhosglas  iomadh  glas  mheii'geach. 

Modhalachd  is  e  sin  an  aon  fhacal,  duin-uasal. 
Bi  'n  a  do  dhuin  uasal  'na  do  ghiulan  's  'n  a  do 
chleachdadh  ;  'n  a  do  chainnt  's  'n  a  do  ghnuis 
■ — 's  e  sin  barra-gug  a'  mhodh. 

1.  Saothraich  gu  bhi  aoigheil.  Faodaidh  neach 
sam  bith  a  bhi  oileanta  agus  modhail  ma 
dh'  fhiachas  e.  Tha  cuid  an  diiil  nach  fhiii 
caomhalachd  ann  am  fearalas,  agus  gur  e  an 
t-amhlair  an  duine  treun.  Na  fiughalaich  a  bu 
treuna  agus  a  bu  duineile  a  bha  riamh  ann  bha 
iad  iochdmhor  agus  baigheil.  Bhiodh  e  feumail 
do  dhuine  og  aig  starsach  na  beatha  a  shuil  a 
bhi  ri  deagh  mhodh,  agus  a  dhichioll  a  dheanamh 
gu  fhaotainn.  Oir  "  an  cliii  a  theid  og  do 
dhuine,  'sea  leanas  ris." 

2.  Seachain  nebnachas  ati  giidan.  'Se  tha  an 
neonachas  oidheirp  a  bhi  gu  tur  eadar-dhea- 
laichte  o  mhuinntir  eile  ann  (a)  an  eideadh, 
(6)  an  cainnt,  (c)  an  gluasad.  Cha  choir  gnuis 
a  thoirt  do'n  mhuinntir  a  tha  stri  a  bhi  beur 
ach  a  tha  mi-mhodhail  le  beurra. 

3.  Their  buaidh  air  socharaidh.  Tha  cuid  cho 
socharach  's  gur  trie  a  shaoileas  muinntir  nach 
'eil  annta  ach  amhlairean  agus  burraidhean, 
ged  tha  iad  a  rimachadh  a  bhi  oileanta  gu  leor. 
Le  dichioll  claoidhear  an  t-socharaidh  so. 

4.  Na  deanamaid  tair  air  an  fheadhaiiin  a 
tha  fodhainn.  Cha'n  'eil  anns  a'  churaidh  an- 
iochdmhor  ach  ceatharnach  bochd  nach  fhiii. 

Is  f  hiach  an  deagh  f  hocal  moran,  's  cha  chosd 
e  ach  beagan.  Tha  so  fior  cuideachd  mu 
mhodh. 

Airgiod 

I.  Chan  eil  airgiod  ann  fhein  aon  chuid  olc  no 
maith.     Is  ann  'n  a  chosnadh  no  chaitheamh 


tha  an  t-olc  no  maith,  direach  co  dhiubh  tha  e 
air  fhaotainn  gu  h-onarach  no  mi-onarach,  no 
air  a  sgapadh  gu  cronail,.no  air  a  thiodhlacadh 
gu  feumail.  Mun  airgiod  labhair  am  bard  mar 
so  : — 

Gun  bhi  ro  chaiteach,  no  'nam  dhaolaig, 

Cruinneach  oir,  no  'ga  sgaoileadh  ; 

Ma  gheibh  mi  biadh,  teine's  earradh, 

Tha  mi  toilichte  dhe'n  t-saoghal. 

Fear  Seath  Mhathaiside. 
(a)  Tha  e   soilleir   dha  na  h-uile   neach  gu     1 
bheil  cumhachd  aig  airgiod  chum  maith.     Ni  e    l| 
daoine    neo-eisimeileach,    agus    comasach    air 
cuideachadh  le  co-chreutaran  agus  comhfhur- 
tachdan  fhaotainn   nach   biodh,   dh'easbhuidh 
airgid,    'nan    comas,     (b)    Tha    e    cheart    cho 
soilleir  gu  bheil  e   'na  chumhachd  uilc.     Bho 
dhroch  fheum  deth  tha  moran  de  dh'eucoir,  de 
pheacadh    agus    de    bhron    an    t-saoghail    ag 
eirigh.     "oir  is  e  gaol  an  airgid,"  ars  an  Sgriob- 
tur,  "  freumh  gach  uilc."    Cruaidhichidh  e  anam 
an  duine. 

II.  Tha  ar  daimh  ri  airgiod  'na  dhearhhadh  air 
ar  cliii.  Mar  is  aithne  dhuinne  cionnus  a  f  huair 
agus  a  chaitheas  duine  a  chuid,  is  aithne  dhuinne 
an  duine  e  fein.  Tha  na  h-uile  bheusan  agus 
mi-bheusan  co-cheangailte  ri  airgiod.  Tha  ar 
tional  agus  ar  sgaoileadh  maoin  'n  a  sgathan 
anns  am  faic  sinn  ar  moraltachd.  i 

III.  Tha  nithean  ann  as  fhearr  na  airgiod  agus 
nach  ceannaich  airgiod. 

Gach  ni  tha  cliutach  agus  ard 
Dean  dichioll  air  a  shealbii  ;  ' 

Mar  lochran  laiste  suas  le  gradh  i 

Biodh  t'imeachd  glan  gim  chealg  ;  ,i 

Le  eolas  ceart  biodh  t'anam  Ian,  i 

'S  do  ghniomharan  gun  chearb 
Sin  agad  ionmhasan  nach  traigh, 
'S  maise  gu  brath  nach  searg. 

NiALL  Macleoid. 

{a)  Is  fhearr  ionracas  na  airgiod.  Ma  chois- 
neas  duine  saoibhreas  air  chost  ionracas  tha  e 
paigheadh  cus  air.  (h)  Is  fhearr  dachaidh  na 
airgiod.  Ma  chailleas  duine  gradh  teaghlaich 
'na  chabhaig  gu  bhi  saoibhir,  tha  e  paigheadh 
cus.  "  Cuimhnich  air  cnuasach  na  graineig." 
(c)  Is  fhearr  eolas,  leasachadh,  iochd,  agus 
spioradalachd  na  airgiod.  Am  fear  a  ni  iodhol 
de  airgiod,  caillidh  e  anam.  Tha  am  fear  sin 
an  siiilean  Dhe  'na  amadan. 

1.  Bu    choir    cuimhne    bhi    againn    air    ar 
stiubhardachd.     Feumaidh     sinn     cunntas     a 
thoirt  as   ar  stiixbhardachd — am  feum   a  rinn   * 
sinn  dhe  na  thug  Dia  dhuinn.     Is  leis-san  na 
tha  againn  is  cha  leinn  fein.     Ris  gach  neach 
bidh    e    air   a   radh  :     "  Thoir  cunntas   air  do    '< 
stiiibhardachd  :     oir  chan  fhaod  thu  bhi  ni's    j 
fhaide  ad  stiiibhard." 

2.  Bu  choir  dhuinn  maith  a  dheanamh  air  an  i 
t-slighe.  Tha  moran  a  their  de  nach  deanadh  j 
iad  na  robh  airgiod  aca.  Ma  bhios  iad  gu  j 
brath  saoibhir  ciod  na  mor  nithean  a  ni  iad  !  j 
Dean  maith  leis  a'  bheagan  a  tha  agad  air  ; 


LIFE  AND  CONDUCT 


neadh  cha  bhi  f  hios  agad  air  sonas  na  muinntir 
a  thuo-  ao-us  a  chuidich.  Bha  da  leth-fheoirling 
na  bantraich  bhochd  'nan  tiodhlac  mhaiseach 
an  suilean  Chriosd.  Bi  suilbhireach  leis  na  tha 
ao-ad  do  dhuine  agus  do  dh'aobhar  Dhe  :  "Oir 
is  toigh  le  Dia  an  neach  a  bheir  seachad  gu 
suilbhir." 

3.  Bu  choir  dhuinn  a  bhi  gleidhteach.  Is 
fior  ghhocas  e  ullachadh  a  dheanamh  fa 
chomhair  geamhradh  na  beatha.  Bu  choir 
dhuinn  na  h-uile  dichioll  a  dheanamh  cuniail  a 
staid  na  bochdainn. 

Tha  'n  seillean  's  an  seangan, 
A  bha  tional  an  storais, 
Le  gliocas  gun  mhearachd, 
'G  toirt  aire  do'n  doruinn, 
'G  ithidh  bidh  's  ag  51  meala, 
Gun  ghainne  air  Ion  ac' 
Fo  dhion  ann  san  talamh, 
O  anail  an  reota. 

DUGHALL    BOCHANAN. 

4.  Bu  choir  dhuinn  cumail  as  na  fiachan.  Is 
e  tha  sna  fiachan  trailleachd,  cion  saorsa, 
truaighe.  Na  caith  thar  do  chosnadh.  Mu'n 
ceannaich  thu  smuainich  an  urrainn  dhuit 
paigheadh. 

5.  Cuir  t'aghaidh  gu  dian  an  aghaidh  gaim- 
hligeadh.  Is  e  so  aon  de  mhallachdan  ar  latha. 
Is  olc  e  ann  fein  eadar-dhealaichte  bho  na 
h-uile  a  thig  'na  lorg.  (a)  Bheir  e  airidheachd 
far  nach  'eil  airidheachd  agus  bheir  e  duais  far 
nach  'eil  duais  airidh.  (6)  Coisnidh  e  tiodhlac 
do  neach  aig  call  a  choimhearsnaich,  bu  choir 
do'n  oigridh,  gu  ro  shonraichte  a  bhi  air  faire 
an  aghaidh  an  uile,  so  a'  charraig  air  an  d'rin- 
neadh  iomadh  beatha  ghealltanach  long- 
bhriste. 

Eaglais 

Is  e  an  eaglais  ceile,  corp  agus  lanachd  an  ti 
sin  a  tha  lionadh  na  h-uile  anns  na  h-uile. 
Uairean  abrar  eaglais  ri  buidhinn  sluaigh, 
uairean  abrar  so  ri  coimhthional  sluaigh.  Anns 
an  t-seadh  ma  dheireadh  so  labhraidh  sinn 
mu'n  eaglais  aig  an  am  so.  Bu  choir  a  h-uile 
duine  og  a  bhi  ceangailte  ri  comhthional  agus 
a  dhleasanas  a  dheanamh  co-cheangailte  ris. 
Tha  beatha  a'  chomhtionail  air  a  toirt  far 
comhair  ann  an  ceithir  nithean  sonraichte. 

I.  Aoradh.  Tha  aoradh  follaiseach  eigin- 
neach  do  bhith  na  diadhachd.  Na  robh  na 
h-eag-laisean  duinte  Sabaid  an  deidh  Sabaid, 
agus  nach  robh  daoine  idir  a  tional  an  ceann  a 
cheile  chum  aoraidh  bhiodh  e  mar  gun  traigh- 
eadh  tobair  uisge  a'  bhaile  mhoir.  Bhiodh  a' 
chi'ioch  eagallach.  Tha  aoradh  follaiseach  a' 
neartachadh  fairichean  na  diadhachd.  Tha 
togalachd  spioraid  ann  an  comunn  pobuil 
De  san  aoradh  fhoUaisich.  Os  cinn  na  h-uile 
ni  's  e  an  t-aoradh  follaiseach  an  cladhan  tre 
bheil  beannachdan  sonraichte  a'  tighinn  thug- 
ainn  o  Dhia.  Ni ' '  am  fior  luchd-aoraidh  aoradh 
do'n  athair  ann  am  spiorad  agus  ann  am  firinn  ; 


oir  a  ta  an  t-athair  ag  iarraidh  an  leithide  so  de 
luchd  aoraidh  !  "  Tha  Dia  ag  iarraidh  ar  n-aor- 
adh  agus  beannaichidh  e  dhuinn  e.  Dh'aith- 
nich  iad  so  gu  bheil  gealladh  Chriosd  fhathasd 
air  a  choimhlionadh  :  "  Oir  ge  be  ait  a  bheil 
dithis  no  triiiir  air  an  cruinneachadh  an  ceann  a 
cheile  am  ainmsa,  a  ta  mise  an  sin  'nam 
meadhon. 

II.  Teagasg.  Tha  focal  De  air  a  leughadh 
agus  air  a  shearmonachadh.  Far  a  bheil 
comhthional  tha,  agus  bu  choir,  teagasg  a  bhi 
ann  ;  oir  'se  an  searmonachadh  so  an  aon 
teagasg  a  mhain  'san  diadhachd  a  tha  moran  a' 
faotainn.  Dh'easbhuidh  so  bhiodh  iad  a'  smeur- 
achd  'san  dorchadas  'nan  aonar.  Agus  anns 
na  h-uile  ath-leasachadh  a  bha  'san  eaglais 
riamh  bha  searmonachadh  an  f  hocail  a'  faotainn 
ait  ard,  agus  bheannaich  Dia  gu  sonraichte  so 
ann  an  iompachadh  pheacach  agus  oideachadh 
a  shluaigh. 

III.  Co-chomunn  Criosduidh.  Tha  am  beag 
'sam  mor  cruinn  comhla,  le  an  laigsichean,  am 
bron,  am  feum,  fo  shiiil  Dhe,  agus  gun  leth 
bhreth  ann.  Ach  tha  aoradh  Dhe  a'  deanamh 
bann  coitchionn  eadar  chreidmhich.  Tha  gach 
uile  sheorsa  anns  gach  uile  thir,  dhe  gach  uile 
threubh,  agus  chainnt,  aon  la  'san  t-seachduin, 
a'  cur  suas  molaidh  agus  iirnuigh  aig  cathair  nan 
gras. 

IV.  Ohair  Chriosduidk.  'Se  tha  'sna  h-uile 
comhthional  reisimeid  de'n  arm  mhor  a  tha 
cathachadh  an  aghaidh  rioghachd  an  dorchadais. 
Tha  e  mar  sin  air  iarraidh  air  a'  h-uile  creutar  a 
tha  ann  a  bhi  'n  a  cho-oibriche  maille  ri  Criosd  ; 
agus  cha'n  e  mhain  an  slainte  fein  oibreachadh 
a  mach,  ach  oibreachadh  chum  slainte  muinntir 
eile.  "Obair  dha  na  h-uile,  agus  na  h-uile  ag 
obair"  a  bu  choir  a  bhi  aig  a'  h-uile  coimhthional. 
Amhairceam  a  nis  air  dleasnasan  a  bhuineas 
do'n  oigridh.  1.  Bu  choir  dhaibh  agus  dhuinn 
uile  a  bhi  fritheilteach  air  meadhonan  nan  gras. 
Bu  choir  dh'an  duine  bg  a  bhi  so,  air  a  sgath 
fhein,  agus  air  sgath  muinntir  eile,  agus  aoibh- 
neas  a  bhi  air  a'  dol  suas  gu  tigh  Dhe. 

Nach  mills  mar  cheol  e,  nach  boidheach,  nach  binn 
Guth  chlag  mhaduinn  Dhomhnuich,  nach  sonraichte 

grinn  ? 
Na  fuinn  tha  ro  aluinn  tha  failteach  an  16 
A  bheannaich  an  t-ardrigh  gu  slainte  nan  slogh. 

Nach  binn  a'  chruit-chiiiil  ud,  nach  riinach  gach  ial, 

An  cridhe  trom  briiite,  ag  iirnuigh  ri  Dia  ? 

Nach  taitneach  mar  cheol  e,  nach  boidheach,  'snach 

caoin 
Guth  'mholaidh,  a  sholais  a  dhochais  a  ghaoil  ? 

DONNCHADH    MaCGILLEATHAIN    UhR. 

Mur  'eil  am  meas  so  againn  air  an  t-Sabaid 
agus  a  sheirbhis  bidh  sinn  'sa'  chunnart  an  call 
le  cheile. 

2.  Bu  choir  dha  na  h-uile  neach  a  bhi  dean- 
amh a'  bheagain  as  urrainn  da.  Is  bochd  an 
comharradh  air  comhthional  e  nach  'eil  saoth- 


8  AN  T-URR  ALASDAIR  MACDEtlARMAID— ALASDAIR  MACLACHLAINN 


rach  ach  am  ministeir  's  an  luchd-dreuchd  ach 
is  bochda  na  sin  e  air  muinntir  a'  choimhthionail. 
Tha  aon  doigh  ann  anns  am  faod  a'  h-uile  neach 
cuideachadh  a  dheanamh  agus  'se  sin  a  bhi 
toirt  de  ar  cuid  da  aobhar  mar  tha  an  Tighearna 
a'  soirbheachadh  leinn. 

3.  Ann  a  bhi  dileas  d'ar  n-eaglais  fhein,  bu 
choir  dhuinn  gradh  a  bhi  againn  do  na  braith- 


rean  uile.  Anns  a'  choitchionn  chan  'eil  cus 
maith  a'  tighinn  bho  dhol  bho  eaglais  gu  eaglais. 
Fhad  agus  a  tha  an  eaglais  no  comhthional  d'am 
buin  sinn  a'  riarachadh  ar  feuman  spioradail 
leanainaid  ris.  Ach  ged  is  maith  a  bhi  'n  a  do 
dheagh  fhear-eaglais,  is  fhearr  gu  mor  a  bhi  'n 
ad  dheagh  chriosduidh,  ach  a  bhi  an  dithis  is 
fhearr  uile. 


An  t-Urr  Alasdair  Macdhiarmaid 


(Nach  Maireann) 

CHAN    'eil  e  iongantach  ged  a  gheibheadh      goirid,     tomadach 
luaidh  air  an  duine  chliutach  so  aite  an  tuair- 
isgeul  Gaidhlig  na  h-eaglais.     Cha  robh  moran 
ann  a  rinn  uiread  a  chuideachadh  leis,  an  uair 
a  bha  e  fo'n  ainm,  An  Fhia?iuis  Ghaidhealach. 

Ann  an  caochladh  nithean  bha  e  'n  a  sgoileir 
comharraichte.  An  uair  a  chriochnaich  e  am 
foghlum  a  reir  nos  na  h-eaglais  Shaoir,  b'e  an 
seachdamh  fear  a  b'arda  's  na  tri  Oilthighean. 
Cha  robh  a'  Ghaidhlig  an  uair  sin,  mar  a  tha  i 
an  diugh,  air  a  teagasg  anns  na  h-Oilthighean. 
Gidheadh  cha  robh  moran  a  sgriobhadh  Gaidhlig 
coltach  ris.     Theagaisg  esan  i  dha  fhein. 

Bha  mor  thlachd  aige  an  obair  nam  baird 
Ghaidhealach,  gu  h-araidh  obair  a'  mheud 
dhiubh  affus  a  sffriobh  laoidhean.  An  taobh  a 
mach  de  dhuine  no  dithis,  mar  a  bha  an  sar 
Ghaidheal  agus  an  sar  chriosduidh,  Lachlainn 
MacBheathain,  nach  maireann,  cha  robh  na  bu 
eolaiche  air  Bochannan  's  a  laoidhean.  Bha  a 
chuimhne  's  a  chridhe  air  an  storadh  le  smear 
a'  chruithneachd,  o'n  bhard  spioradail  sin. 

Mar  shearmonaiche  dh'fhaodadh  Alasdair 
Macdhiarmaid  a  radh  :  "  Chreid  mi,  uime  sin 
labhair  mi."  Gun  a  bhi  cumhang  no  farsuing 
tharruinff  e  a  storasan  na  firinn  na  bhiodh 
buannachdail  do  anamaibh  an  sealladh  iiine  is 
bithbhuantachd.  Cha  robh  ni  bu  lugha  air  na 
moran  bhriathran  an  uair  a  dheanadh  na  bu 
lugha  an  gnothuch.    Dh'fhag  sin  a  sheirbhisean 


gun  sgios  do'n  luchd- 
eisdeachd.  Bha  sin  feumail  an  sgire  cho  farsu- 
ing ris  a  'Mhorairne.  Cha  robh  duine  a  chuala 
e  nach  do  mhothaich  an  talanta  neo-chumanta  a 
bh'aige  an  iirnuigh — gu  h-araidh  ann  an  eadar- 
ghuidhe.  Ach,  thairis  air  na  h-uile  ni  faodaidh 
e  bhi  gum  b'e  a  choibhneas  a  tharruing  daoine 
da  ionnsaigh.  Bhiodh  e  an  comhnaidh  a' 
deilbh  ni  eigin  air  son  maith  an  t-sluaigh. 
Cha  b'urrainn  e  uireasbhuidh  fhaicinn  gun 
oidhirp  a  thoirt  air  ni  eigin  a  dheanamh.  Cha 
bu  lugha  na  ceud  uair  a  shearmonaich  e  an 
coimhthional  aig  an  robh  teachdaire  an  droch 
shlainte.  Cumaidh  sin  a  chuimhne  beo  re 
iomadh  latha  's  a  Mhorairne,  far  an  do  shaoth- 
raich  e  corr  air  da  fhichead  bliadhna,  agus  am 
Bonar  far  an  robh  e  ceithir  bliadhna. 

An  uair  a  b'eigin  da  obair  a'  choimhthionail 
f  hagail  aig  neach  a  b'oige,  f  huair  e  mar  thoidhlac 
corr  is  ceud  punnd  Sasunnach — tiodhlaca  mora 
o  choimhthional  beag.  Bha  trian  de  sin  air  a 
thoirt  leis  na  Catoilicich  a  dh'fhoghlum  amharc 
air  mar  an  car  aide. 

Cinnteach  gu  leor,  an  uair  a  dh'eireas  na 
mairbh,  a  chuidich  e  air  an  t-slighe  neamhaidh, 
eiridh  esan  maille  riu  agus  their  e  :  "  Feuch 
mise  agus  a'  chlann  a  thug  Dia  dhomh." 

Chuir  e  mach  leabhar  shearmonan  a  rinn  e 
air  Urnuigh  an  Tighearna,  agus  bha  dha  eile 
aiffe  deiseil  air  son  na  beart.  E.  G. 


Alasdair  Maclachlainn 


CHAOCHAIL  Alasdair  MacLachlainn,  a 
bha  'n  a  mhisionaraidh  ann  an  Arnisort, 
air  a'  cheud  la  fichead  de  'n  t-Samhuinn,  ann 
an  cill  Donnan,  'san  Eilean-Sgitheanach. 
Shaoithrich  e  air  son  naoi  bliadhna  fichead 
anns  an  eilean,  far  an  robh  meas  mor  air. 
Roimhe  sin,  bha  e  ann  an  Uibhist,  ann  an 
CoUa,  agus  am  Muile.  Thug  e  naoi  bliadhna 
deug  an  Arnisort  an  Sgire  Shnisort  agus  bha 
buaidh  mhaith  le  shaoithir  an  sin.  Leig  e 
dheth  an  obair  anns  an  earrach  so  a  chaidh, 
air  dha  bhi  aig  an  am  sin  ceithir  fichead  agus 
ceithir  bliadhna  a  dh'aois. 

Bhuineadh    Mr.    MacLachlainn    do    Ardna- 
Murchann    an    Erra-Ghaidheal.     An    uair    a 


(Nach  Maireann) 

bha  e  og  bha  e  'na  sheoladair,  ach  air  dha 
tighinn  fo  bhuaidh  na  firinn  thug  e  e  fein 
seachad  le  uile  chridhe  do  sheirbhis  Chriosd. 
Bu  duine  e  aig  an  robh  buadhan  mor  an  corp 
agus  an  intinn,  agus  bha  e  'n  a  fhear-labhairt 
comasach  agus  'n  a  oibriche  ro  fheumail  anns 
an  fhion-lios. 

Dh'fhag  e  a  bhantrach,  dithis  mhac,  agus 
triiiir  nighean,  ris  am  bi  co-fhaireachdan  aig 
na  cairdean.  Chaill  e  mac  eile  anns  a'  chogadh 
mhor,  agus  sin  am  bron  laitheil  dha  gus  a' 
chrich.  Chruinnich  sluagh  mor  a  dh 'ionnsaigh 
adhlacaidh  ar  caraid — sin  a'  cur  an  ceill  an 
speis  sonraichte  a  bha  aca  agus  an  t-aite  a 
bha  aig-e  'n  an  cridheachaibh.  I.  M. 


Air  4 


93 


Aran-Cridhe  Dhe 

"  (riipana' hlieannacJiaidh  atliasinnealjeannaclimUi,  narlt  e  cniiiunn  falu  C/irtostl  f  :    .In  t-amn  a  fha 
shine  a  hrixfodli,  narli  e  rnmvnn  cuirp  Vhrinsd  e? — I   CO  it.  \.  It>. 


'Q^E  latha  comanachaidh  latha  comunn  ri 
lOCriosd  ann  an  doigh  is  an  seadh  araidh — 
nuaii*  a  tha  co-chomunn  shonruite  agus  air  leth 
aig  a  shluagh  ri  Criosd  agus  ri  each  a  cheile — 
nuair  a  tha  sinn  air  ar  deanamh  'nar  luchd-com- 
paii't  de  thoraidhean  bais  is  fulangais  Chriosd 
agus  sin  tre'n  t-sacramaid  bheannaichte.  Se  an 
cupan  agus  an  t-aran  samhlaichean  is  seula  a 
chomanachaidh  so  ri  Criosd  agus  ris  an  Athair 
agus  ri  each  a  cheile.  So  am  nieadhon  tre  am 
beil  sinn  a  gabhail  a  chomanachaidh — samh- 
laichean na  fala  a  ehaich  a  dhoirteadh  agus  na 
feola  chaidh  a  reubadh — an  cupan  agus  an 
t-aran.  Tha  cuimhne  mhaith  againn  air  an 
aoibhneis  spioraid  agus  an  t-solais  anama  a  bha 
againn  iomadach  uair  aig  Bord  an  Tighearna 
ann  an  comanachadh  a  bhais  is  fhulangais, 
solas  is  beannachd  is  beathachadh  air  an  robh 
sinn  a  ruighinn  tre  na  samhlaichean  priseil  a 
tha  an  so.  Ciipan  a'  bheannachaidh  a  tha  sinne 
a'  beannachadh  nach  e  comunn  fala  Chriosd  e  ? 

Fhaic  thu,  ma  tha,  an  toiseach  : 

I.  Cupan  nam  beannachd  a  tha  againn  ann  an 
so.  Is  ioiTvadh  beannachd  agus  buadh  a  tha 
ann.  Tha  cuimhne  agad  an  uair  a  chaidh 
aingeal  an  sgi'ios  a  mach  'san  P^ipheit  gu  robh 
an  fhuil  air  na  h-ursannan  'na  meadhon  dion 
air  na  bha  a  stigh.  Tha  fuil  a'  chupain  so — 
gradh  bais  Chriosd — na  dhion  dhuinne  bho  n 
namhaid  agus  bho  gach  ni  mi-naomha  a  dh' 
fhaodas  a  bhi  an  toir  oirnn.  Tha  beannachd 
dion  agus  gleidhidh  anns  an  chiipan  so  ;  agus 
aig  a  Bhord  fhein  tha  sinn  mothachail  air  a  bhi 
tearainte  'na  ghradh  a  nochd  e  don  t-saoghal 
ann  a  bhi  doirteadh  a  mach  fhiiil  phriseil  air 
an  chrann.  Bha  dion  aig  ar  rioghachd  agus 
againn  fhein,  aig  am  a  chogaidh  mhoir  tre  n 
fhuil  a  chaidh  a  dhoirteadh  anns  an  Fhraing, 
'san  aitean  eile — fuil  nam  beannachd  !  Tha 
an  cupan  so  a  leigeil  fhaicinn  dhuinn  na  rinn 
esan  air  ar  son,  an  dion  is  an  tearainteachd  a 
tha  againn  tre  a  bhas-san  ;  tha  beannachd  dion 
ann  dhuinne  ann  an  tim  agus  troimh  an  t-sior- 
ruidheachd. 

Faisg  air  far  na  thogadh  mi  tha  seann  larach 
ait-aoraidh,  ris  an  canar  "  Tigh-a '-bhean- 
nachaidh. '  Anns  an  t-seann  aimsir  bha  an 
tighaoraidh  so  'na  bheannachd  air  iomadach 
doigh,  ach  gu  h-araidh  bha  e  'na  dhion  do 
neach  a  bha  a'  teicheadh  bho  namhaid  ;    bha 


e  'na  chon\raich  do  neach  a  bhatar  an  toir  air 
a  bheatha'.  Aon  uair  agus  gu  robh  neach  an 
taobh  a  stigh  do  gharadh-criche  a  "  Bhean- 
nachaidh "  bha  e  tearainte.  chan  fhaodadh 
namhaid,  no  neach  eile,  lamh  a  chur  ann  ach 
le  coir  is  ceartas.  Tha  an  tearainteachd  so 
dhuinne  ann  an  ciipan  nam  beannachd,  agus 
comanachadh  Chriosd  a'  riarachadh  dhuinu 
coir  is  ceartas,  gach  coir  is  ceartas  a  tha  air 
neamh  is  air  thalamh.  Tha  beannachd  dion' 
sa'  chiipan  so  dhuinne. 

Tha,  agus  beannachd  glanaidh.  B'e  cleach- 
dadh  na  h-aoigheachd  'san  aird  an  ear  cho 
luath  is  a  thigeadh  duine  gu  tigh  gun  tugaist 
uisge  dha  gus  e-fhein  ionnlaid.  Mus  teidheadh 
biadh  a  chur  'na  thairgse  no  a  naidheachd  a 
ghabhail  be  am  modh  's  an  aoigheachd  uisge 
a  thoirt  dha  gus  e-fhein  a  ghlanadh.  An  deidh 
sin  bha  glaine  is  comhfhurtachd  aige,  agus 
tlachd  ann  an  carthannas  na  aoigheachd.  Agus 
is  ann  againne  tha  fhios  gu  bheil  glanadh  anns 
a  chiipan  so — gun  glan  fuil  losa  Criosd  sinne 
bho  ar  n-uile  pheacainnean.  Agus  tha  sinn 
mion-eolach  air  a'  chomhfhurtachd  a  tha  an 
cois  sin.  Cupan  nam  beannachd  anns  am  beil 
buaidh  glanaidh. 

Rud  eile  a  tha  anns  a  chupan  ghlormhor  so. 
se  sin  beannachd  Leigh's.-  Tha  iomadh  laigse 
agus  ainmhuinneachd  air  an  anam  ;  tha  iomadh 
bochdainn  is  galair  is  tinneas.  Rinn  am  pea- 
cadh  sin.  Ach  tha  beannachd  leighis  am  fuil 
losa.  Tha  cuimhne  agam  a  bhi  cluinntinn  mu 
dheidhinn  Fionn  na  Feinne,  gu  robh  Cuach 
Leighis  aige,  agus  an  uair  a  bha  aon  de  dhaoine 
air  a  dhochunn  is  air  a  leon  anns  a  bheinn 
shithinn  is  sheilg  nach  robh  aige  ach  deoch  a 
thort  dha  as  a  Chuaich-sa  agus  gu  robh  e  slan 
fallain  air  ball.  Ge  b'e  de  seorsa  creuchd  no 
leon  a  bha  air,  leighiseadh  deoch  as  a'  Chuaich 
e.  Bha  beannachd  leighis  an  Cuach  Fhinn. 
Tha  cuimhne  agam  cuideachd  a  bhi  leughadh 
an  seann  eachdraidh  gu  robh  amar  leighis  aig 
Dian  Cecht,  lighiche  mor  nan  Gaidheal,  agus 
ann  an  am  cogaidh  is  comhraig  is  mor  eigin  nan 
Gaidheal,  gum  biodh  e  a  tomadh  gaisgich  f  hann 
is  fir  leonta  'san  amar  so,  agus  gu  robh  iad  air 
ball  slan  fallain  agus  a  rithist  deas  gu  comhrag. 
Bha  beannachd  leighis  ann  an  amar  Dhian 
Cheacht  an  lighiche  beannaichte  ;  agus  tha 
beannachd  leighis  anns  a  Chiipan  so  dhuinne.  , 


nl^      t  +fl 


ARAN-CRIDHE  DHE 


Aig  Lighiche  na  gloir  tha'n  t-eblas  harralrhf' 

Air  lebn  is  galairean  sJuaigli  ; 

GiCn  glan  e  hho  ehrevchdan  hrevn  an  f-aiiam, 

Tlia  eifearlul  fhala  do-luaidht  ; 

Tha  cliridhe  Ian  haigh  's  gu  hrath  rha  rhiiir  a 

A  latliatr  duine  le  gruaim. 

Gu  saor  bheir  e  slaint  do  thraUl ean  fallamh 

Lc  gradh  a  .iheallas  ris  suas. 

Cupan  na  slainte  glacar  learn  "  ;  cupan  nam 
beannachd  a  leighis  a  phobull  fhein. 

Is  iomadh  buadh  agus  beannachd  a  tha  an 
cois  na  slainte.  Tha  tobah-  ann  a  h-Iort  ris  an 
canar  Tobair  nam  Buadh  agus  bha  na  h-Iortaich 
de  'n  lan-bheachd  gu  I'obh  feartan  leighis  air 
leth  ann  an  uisge  na  tobrach  so,  seadh  agus 
iomadh  buadh  eile  an  cois  sin — gu  robh  sonas 
agus  soirbheachadh,  sith  agus  solas. 

Tha  beannachd  toraidh  anns  a  chupan  so 
cuideachd.  Is  ann  nuair  a  tha  sinn  a  gabhail 
de'n  chupan  so  ann  an  spiorad  agus  ann  am  f  irinn 
a  tha  mor  thoradh  a  tighinn  air  ar  beatha  ;  tha 
buadhan  na  beatha  nuaidh  an  uair  sin  a'  fas. 
Ann  an  gradh  Chriosd  bidh  mor  thoradh  oirnn. 
Tha  cuimhne  agam  a  bhi  cluinntinn  mu  dhei- 
dhinn  ministeir  a  bha  ann  an  Cille-Mhailidh 
bho  chionn  fhada  an  t-saoghail.  Thainig 
eildeir  coir  a  bh'  aige  far  an  robh  e  la  tha  agus 
thuirt  e  ris  a  mhinisteir  guni  b'fhear  dha  bo  a 
cheannach  a  bha  fear  Ghleann-Neamhais  a 
reic,  o'n,  ars  esan,  tha  iad  ag  radh  nach  'eil 
crodh  eile  'san  diithaich  a  tha  cho  maith  air 
bainne  ris  a'  chrodh  d'am  buin  i.  Agus  a 
mhinisteir  bu  mhaith  leinne  te  aca  a  bhi  agaibh- 
se.  Ma  ta,  ars'  am  ministeir,  theirig  fhein  agus 
ceannaich  a  bho  agus  paighidh  mise  oirre  na 
chi  thu-fhein  iomchaidh.  Rinn  e  so  agus  thug 
e  a  bho  chun  mhinisteir.  An  ceann  beagan 
sheachdainnean  dh'  fhaighnich  an  t-eildeir  de'n 
mhinisteir  de  mar  bha  a  bho  a  cordadh  riu. 
Anta,  ars'  am  ministeir,  tha  a  bho  maith  gun 
teagamh,  a  Dhomhnaill,  ach  chan  'eil  i  idir  idir 
cho  maith  ris  an  ainm  a  bha  dhith.  O  ta,  a 
mhinisteir,  arsa  Domhnall,  feumaidh  sibh-se 
a  chuimhneachach  ged  a  cheannaich  sibh  a  bho 
nach  do  cheannaich  sibh  Gleann-Neamhais  ; 
tha  toradh  na  ba  a  reir  a  h-inghilt.  Cuireadh 
sibh-se  a  bho  do  Ghleann-Neamhais  agus 
bithidh  i  pailt  cho  maith  ris  an  ainm.  Sin  e, 
a  chairdean,  tha  an  toradh  a  reir  na  h-inghilt — 
olaibh  de'n  chiipan  so,  ciipan  nam  beannachd, 
agus  deanamh  so  mar  chuimhneachan  oirm-sa, 
agus  bidh  mor  thoradh  oirbh. 

A  nise  tha  samhla  eile  anns  an  t-sacramaid, 
an  t-aran.     Seallamaid,  ma  ta,  air  : 

II.  Ara7i-cridhe  Dhe.  An  t-aran  a  tha  sinn 
a  briseadh  nach  e  comunn  pcuir  Chriosd  e  ? 
Nuair  a  bha  mi  'nam  bhalach  bha  feill  air  a 
gleidheadh  a  mach  air  braighe  baile  Steor- 
nabhaigh  uair  sa  bhliadhna  mu  am  na  Lunasdal. 
Ge  b'e  c6  a  rachach  chu  na  feille  bhiodh  duil 
againne  agus  sinn  nar  cloinn  ri  tiodhlac  as  a 
bhaile-mhor  agus  bho  na  feille  nuair  a  thilleadh 


iad.  Ach  bha  aon  ni  os  cionn  gach  ui  eile  ris 
an  robh  diiil  againn  daonan  agus  mur  a  faig- 
headh  sinn  e  cha  robh  feum  ann  an  ni  sam  bith 
eile,  'se  sin,  aran  cridhe.  Cha  robh  aon  ni 
air  an  t-saoghal  air  an  robh  sinne  agus  sinn  nar 
cloinn  cho  deigheil  ris  an  aran  chridhe.  An 
t-aran  so  tha  sinn  a  briseadh  nach  e  comunn 
cuirp  Chriosd  e  ?  Aran  cridhe  Dhe,  aon  Mhac 
a  ghraidh-san  a  thug  e  dhuinn  agus  a  chaidh 
a  bhriseadh  air  ar  son-ne.  So  aran  milis  Dhe. 
Bha  e  air  a  radh  mu  dheidhinn  a  mhana  'san 
fhasach  gur  h-e  bias  a  bhidhidh  a  b'  fhearr  leis 
a  bha  a  h-uile  duine  a  faotainn  air  nuair  a  bha 
e  ga  ithe  ;  agus  tha  sin  fior  a  thaobh  aran- 
cridhe  Dhe  ;  tha  e  blasda  dhuinn  a  reir  ar  feum 
is  ar  suidheachaidh.  Tha  e  blasd  agus  miHs 
do'n  chaileig  oig  ;  tha  e  blasd  agus  milis  do'n 
t-seana-bhean  leith  ;  tha,  agus  do  f  hear  an 
tinneis  agus  do  fhear  na  slainte,  do'n  bhochd 
is  do'n  bheartach.  An  t-aran  so  tha  sinn  a 
briseadh  nach  e  comunn  cuirp  Chriosd  e  ? 
Aran-cridhe  Dhe  ! 

So  an  t-aon  ni  nach  dean  neach  sam  bith  a 
chuis  as  aonais.  Is  iomadh  ni  a  thig  sinn  beo 
as  aonais  ach  cha  tig  sinn  beo  as  aonais  an  arain. 
So  ar  beatha — an  t-aran.  Tha  beatha,  ma  tha, 
'san  aran  nuair  a  ghabhas  sinn  dheth,  tha  beatha 
mhilis  agus  mhaireannach  an  aran-cridhe  Dhe. 

Gabhaibh  ithibh  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air 
a  bhriseadh  air  bhur  son-sa  ;  deanaibh  so  mar 
chuimhneachan  orm-sa." 

Tha  neart  anns  an  aran  cuideachd.  Se  biadh 
a  neai'taicheas  sinn  nuair  a  tha  sinn  fann  is 
feumach.  Agus  mar  a  tha  fhios  againne  a 
ghabh  dheth,  tha  neart  anns  an  aran  mhilis  so, 
neart  chan  ann  a  mhain  gu  bhi  beo  ach  gu  seir- 
bhis  is  gu  gniomh,  gu  feum  is  gu  obair.  Ga- 
bhaibh ithibh  an  t-aran  so  aig  a  Bhord  fhein, 
agus  esan  a  cur  feum  air  luchd-oibreach  na 
eaglais  is  'na  fhion-lios.  Air  ur  beathachadh 
air  an  aran  so  bidh  dreach  ur  bidhidh  oirbh 
agus  bidh  sibh  laidir  is  comasach  gu  feum  a 
dheanamh  dhuibh-fhein  is  dhasan.  Tha  neart 
is  treoir  'san  aran.  'S  an  t-sacramaid  bhean- 
naichte  tha  sinn  air  ar  beathachadh  air  corp 
losa  a  chaidh  a  bhriseadh  air  ar  son-neair  aran- 
cridhe  Dhe. 

Dh'  fhaodadh  sinn  a  radh  gu  bheil  riarachadh 
anns  an  aran  cuideachd,  nach  fhaodadh  ?  Tha 
mi-riarachadh  an  cois  an  acrais,  ach  tha  suai- 
bhneas  is  sith  an  cois  a  bhidhidh.  So,  ma  tha, 
a  charaid  an  t-aon  aran  a  bheir  riarachadh  do'n 
anam — aran  cridhe  Dhe.  Chan  'eil  ni  no  neach 
eile  ann,  a  bheir  lan-riarachadh  do'n  anam  ach 
Criosd  agus  esan  air  a  cheusadh  air  ar  son-ne. 
An  t-aran  so  tha  sinn  a'  briseadh  is  e  comunn 
cuirp  Chriosd  e,  a  tha  toirt  lan-riarachadh  do 
a  shluagh  uile  air  neamh  is  air  thalamh.  Tha 
e  a  nis  air  neamh  ach  tha  e  againn  gu  soilleir 
is  gu  sonruite  anns  an  t-sacramaid  bheannaichte 
so  air  thalamh. 


ARAN-CRIDHE  DHE— AN  GAISGEACH 


3 


Gu  h-ard  an  Aros  ■ni'  Athar-sa, 

Tha  aran  pa'dt  gu  lebr  ; 
\Se  Criosd  mo  ghaoil  an  t-aran  ud 

'Se  '«  t-aran  heatha  bheb  : 
Is  tha  na'fi  lebr  ^san  aran  so, 

A  bheathachadli  gach  naomh  ; 
'Tha  chbmhnuidh  air  an  talamh  so, 

\S  am  flaitheanas  maraon. 


Gabhaibh  ithibh  is  e  so  mo  chorp-sa  a  ta  air  a 
bhriseadh  air  ur  son-sa  deanaibh  so  mar 
chuimhneachan  orm-sa. 

(Chaidh  an  searmoin  so  thoirt  seachad  an 
loiseach  air  hatha  Comanachaidh  an  Eaglais  Iai?t 
Noes  an  Glaschu  leis  a  mhinisteir  Calum  Mac- 
Lebid.) 


An  Gaisgeach 


Isaiah  Ixiii.  8 


CHA  teid  sinn  iomrall  ma  ghabhas  sinn  ris  an 
earrann  so  mar  earrann  a  tha  toirt  dhuinn 
dealbh  air  a'  Mhessias.  Tha  an  earrann  a' 
deanamh  luaidh  air  ni  no  dha  a  rinn  am  Messias 
ainmeil,  ach  a  bheil  ni  air  bith  anns  a  bheil  e 
cho  airidh  's  a  tha  anns  an  ni  so  :  "  Cumhach- 
dach  gu  tearnadh  "  ?  Nach  e  so  crioch  araidh 
a  thuruis  is  a  shaothair  :  gum  biodh  e  cumh- 
achdach  gu  tearnadh.  Cha  ruig  e  leas  neach 
air  bith  uaill  a  dheanamh  as  a  chumhachd  gu 
sgrios  :  Tha  an  leanabh  beag  cumhachdach  gu 
leor  air  sgrios,  ach  is  e  sgeul  eile  tha  ann  a  bhi 
cumhachdach  gu  tearnadh. 

Tha  feum  mhor  air  an  t-saoghal  is  e  'n  a  laighe 
'san  olo. 

Ciod  as  urrainn  e  dheanamh  air  a  shon  f  hein  ? 
Cha  dean.  Chan  'eil  am  miann  as  lugha  'n  a 
nadur  a  tha  togradh  air  aon  n\  maith.  Tha  an 
saoghal  agus  spiroad  an  t-saoghail  a  dh'aon 
run  air  Dia  agus  spiorad  na  diadhachd  a  chur 
fo  cheannsail  na  daorsa.  Chan  'eil  teagamh 
sam  bith  nach  deanadh  iad  sin  na  'n  deanadh 
miann  an-diadhaidh  e.  Ach  tha  barrachd  air 
saoghal  's  a'  chuis  so.  Tha  Gaisgeach  treun 
nam  buadh  anns  a'  chath  :  an  Gaisgeach  a  tha 
cumhachd  gu  tearnadh. 

Tha  feum  mhor  air  an  eaglais,  is  bas  a' 
tighinn  a  steach  air  a  h-uinneagan — na  h-uin- 
neagan  bu  choir  a  bhi  dealrach  le  solus.  Is  e 
sealladh  bronach  a  tha  ann  gum  biodh  Eaglais 
Dhe,  air  chor  air  bith,  a'  tighinn  fo  neul  agus 
fo  chumhachd  bais  ;  gum  biodh  a  h-uinneagan 
a'  fas  dorch  le  neul  a'  bhais.  Is  e  sin  aon  ni 
d'am  faod  Eaglais  an  De  bheo  diibhlan  a  thoirt 
— eadhon  sgail  a'  bhais.  Ann  an  cumhachd  a' 
Ghaisgich  faodaidh  i  a  diibhlan  a  ghairm  agus 
a  ceann  a  chumail  comhnard  :  "  O  uaigh  c'ait 
a  bheil  do  bhuaidh,  O  bhais  c'ait  a  bheil  do 
ghath."  Tha  aon  ni  a  chumas  uinneagan  na 
h-Eaglais  glan,  tha  da  ni — is  e  sin  creideamh 
agus  urnuigh.  Is  iad  sin  da  ni  nach  fhuiling 
am  bas  a  thighinn  air  arainn  idir  :  Creidimh 
agus  Urnuigh.  Chuir  iad  coig  bliadhna  deug 
eadar  Heseciah  's  am  bas. 

Chuir  an  Tighearna  Isaiah  da  uair  air  theach- 
daireachd  gu  Heseciah. 

Is  e  so  a'  cheud  te  : 

Mar  so  tha  an  Tighearna  ag  radh  :    Cuir  do  thigh  an 

ordugh  ; 
Oir  gheibh  thu  bas,  agus  cha  mhair  thu  beo. 


Is  e  so  an  darna  te  : 

Falbh  agus  abair  ri  Heseciah,  Mar  so  deir  an  Tigh- 
earna, Dia 

Dhaibhidh,  t'athair.  Chuala  mise  t'iirnuigh,  chunnaic 
mi  do  dheoir  ; 

Feuch,  cuiridh  mi  ri  do  laithibh  coig  bliadhna  deug  ; 

Is  e  an  Gaisgeach  priomh  cheann-oibreach 
na  h-Eaglais.  Is  aithne  dha  ar  fiachan  agus 
a'  bhuil  gu  bheil  sinn  a'  cur  ar  sochairean.  A 
nise,  tha  feum  nach  'eil  beag  aige  air  ar  sao- 
thair.  Tha  e  ag  earbsa  ruinne  obair  nach  'eil 
neach  sam  bith  eile  an  suidheachadh  a  dhea- 
namh. Chan  e  nach  fhaodadh  fear  eile  a 
dheanamh,  ach  is  e  is  aobhar  nach  eil  neach  eile 
an  suidheachadh  a  chum  a  dheanamh  gur  e  tha 
ann  do  chuid  obair-sa. 

Ma  tha  feum  nach  'eil  beag  aige-san  air  do 
shaothair,  is  ann  a  tha  an  fheum  nach  eil  beag 
agadsa  air  a  shaothairsan.  Ni  esan  an  gnothuch 
as  ar  n-aonaisne,  cha  dean  sinne  an  gnothuch 
as  aonais-san. 

Tha  feum  mhor  air  an  anam  is  e  'n  a  oighre 
air  bas.  Chan  'eil  dol  as  uaithe-san.  Mar  is 
e  tuarasdal  a'  pheacaidh  am  bas  chan  'eil  dol 
as  aig  a'  pheacach  o'n  tuarasdal.  Chan  e 
tiodhlac  a  tha  ann  ach  tuarastal.  Chan  'eil 
coir  aig  duine  beo  air  ach  aig  an  f  hear  a  choisinn 
e  ;  agus  a  dheoin  no  dh'aindeon  feumaidh  e 
gabhail  ris.  Tha  lagh  Dhe  agus  dhaoine  'g  a 
thoirt  a  mach  dha. 

Tha  feum  mhor  air  is  e  air  a  dhiteadh  a 
cheana.  Thug  Dia  na  fireantachd  a  mach  a 
bhinn  ;  ciod  as  urrainn  e  dheanamh  ?  Chan 
'eil  dol  as  aige  ;  gheibh  an  lagh  a  chuid  fhein, 
is  e  sin  mur  teid  agad  air  do  reite  a  dheanamh 
ris  an  lagh,  agus  gum  bi  e  deonach  fear  eile  agus 
a  chionta  ghabhail  'n  a  t'aite.  Tha  an  fheum 
mor  is  an  t-anam  gun  neirt  gun  treoir  ri  aghaidh 
peacaidh,  mur  teid  aige  air  eallach  agus  a  shith 
a  chur  air  guailnibh  fir  eile.  Is  e  sin  am  fear 
so  a  tha  labhairt  ann  am  fireantachd,  cumhachd 
gu  tearnadh. 

Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  an  cordadh  as 
fhearr  eadar  an  da  bhuaidh  a  tha  an  so :  "  Labh- 
airt ann  am  firinn,"  agus  "  cumhachdach  gu 
tearnadh."  Chan  urrainn  an  darna  fear  a  bhi 
ann  gun  am  fear  eile  a  bhi  comhla  ris.  Chan 
urrainn  e  bhi  cumhachdach  gu  tearnadh  mur 
bi  e  labhairt  ann  am  fireantachd.  Tha  e  labh- 
airt   ann     am    fireantachd    briathran    a    tha 


4 


AN  GAISGEACH— ASLACHADH 


urramach  agus  airidh  chum  cliu  gloir  lagh  na 
naomhachd.  Tha  e  labhairt  ami  am  fireantachd 
tre  fhuil  na  h-iobairt-reite,  briathran  sithe  agus 
riarachaidh,  briathran  a  tha  cur  gloir  air  spiorad 
na  naomhachd.  Athair,  gloraich  d'ainm,  cuir 
seula  do  ghrais  air  tiodhlac  do  ghrais  :  agus 
gun  cluinn  oighreachan  do  ghraidh  thu  labhairt 
as  na  neamhan  ;  "  Is  e  so  mo  Mhac  graidh  anns 
a  bheil  mo  mhor  thlachd,  eisdibh  ris." 

Tha  an  f  heum  mor  agus  iomarcach  : 

Feum  an  t-saoghail  is  e  'n  a  laighe  'san  olc. 
Feum  na  h-Eaglais  agus  bas  a'  tighinn  a  steach 
air  a  h-uinneagan.  Feum  an  anam,  is  e  'n  a 
oighre  air  bas,  air  a  dhiteadh  a  cheana,  gun 
neart  gun  treoir  ri  aghaidh  peacaidh. 

Ach  mor  agus  iomarcach  is  mar  a  tha  an 
fheum  is  ann  air  Slanuighear  mor  agus  gais- 
geach  cumhachdach  a  tha  an  spiorad  bean- 
naichte  a'  deanamh  luaidh. 

Tha  na  briathran  a'  tarruing  aire  gu  Slanui- 
ghear a  tha  uile  bhuadhmhor  a  chum  leigheas. 
Tha  iad  lionmhor  gu  le5r  do  bheil  sgrios  furasd, 
ach  chan  'eile  mar  fhiachaibh  as  lugha  air  aon 
neach  aire  dhaoine  a  tharruing  a  dh'ionnsaigh 
na  muinntir  a  tha  cumhachdach  air  sgrios.  Is 
ann  a  tha  chuis  ann  gu  bheil  e  ro  iomchuidh  a 
bhi  air  an  cur  'n  am  faire  mun  sgrios  iad  iad 
fhein.  O,  Israel  sgrios  thu  thu  fein,  agus 
impidh  a  chue  orra  an  aghaidh  a  chur  air  a' 
charaide  a  tha  cumhachd  gu  tearnadh. 

Bu  bhronach  a  bha  cor  Israel  an  la  Ghideon. 
Bha  iad  air  an  chaoidh  agus  an  ion  's  a  bhi  air 
an  sgrios  le  luchd  tadhail  an  fhasaich.  Bha 
am  fearann  torach  gu  leor,  ach  is  gann  ma  bha 
iad  a'  foctainn  cothrom  air  corran  a  chur  an 
sas  fad  an  fhoghair.  Is  ann  a  bha  iad  mar  gum 
biodh  iad  a  goid  obair  an  lamhan  fhein.  Ach  rinn 
Dia  fear-saoraidh  de  Ghideon — ^fear  a  labhair 
ann  am  fireantachd  cumhachdach  gu  tearnadh. 

B'e  sin  la  nam  beannachd — an  la  choinnich 
Gideon  agus  aingeal  an  Tighearna — an  la  a 
fhuair  an  t-aingeal  e  ann  an  cas  cho  cruaidh  is 
gum  b'eigin  da  dhol  le  chuid  arbhair  gu  amar- 
bruthaidh  an  fhiona  ach  an  teidheadh  aige  air 
a  bhualadh  gun  fhios  do'n  Mhidianach.     Cha 


d'fhuair  Gideon  e  fhein  a  riamh  cho  beag  seadha, 
cho  mor  air  a  chlaoidh  le  as-creidimh  's  a  fhuair 
e  an  la  ud,  agus  gidheadh  b'e  sud  an  la  agus  an 
oidhche  cuideachd  anns  an  do  nochd  e  do  luchd 
aoraidh  Bhaal  gur  h-ann  ri  lehobhah,  Dia 
Israel  a  bha  an  gnothuich.  Imich  ann  ad 
neart  so,  thuirt  an  Tighearna  ris,  agus  saoraidh 
tu  Israel  o  laimh  nam  Midianach  :  nach  do 
CHUiR  MisE  UAM  THU  ?  Agus  an  deidh  sin  nach 
d'thug  a  Dhia  glormhor  iomadh  dearbhadh  dha 
air  firinn  nam  briathran  ud  :  "  Nach  do  chuir 
mise  uam  thu."  Cha  robh  an  la  fad  as  an  uair 
a  rinneadh  soilleir  co  dhiiibh  a  b'ann  do  lion- 
mhorachd  sluaigh  a  thug  Dia  an  cath,  no  do 
chlaidheamh  an  Tighearna  agus  Ghideon,  do'n 
bhonnach  eorna  ! 

Tha  againn  Slanuighear  glormhor  :  Gaisgeach 
cumhachdach.  Ghiiilan  e  irioslachd,  a'  cur  na 
naire  an  neoshuim,  agus  a'  deanamh  tair  air 
masladh.  Bhruth  e  an  t-amar-fiona  'n  a  aonar, 
labhair  e  am  fireantachd  agus  chuir  e  gloir 
shiorruidh  air  Ceartas  Dhe.  Dh'f hulling  e  an 
crann-ceusaidh  is  gaduiche  air  gach  laimh 
dheth,  luchd-tarcuis  timchioll  air,  cuid  a'  cur 
drein  air  an  gniiis,  cuid  a'  cur  an  teanga  'n  am 
pluic  is  a'  tilgeadh  athais  air  :  Shaor  e  muinntir 
eile,  e  fein  chan  urrainn  e  fhein  shaoradh. 

Dh'fhoillsich  e  a  ghradh  fhein,  thug  e  am 
follais  cridhe  graidh  Dhe  agus  dh'fhag  e  gun 
leisgeul  gach  anam  a  tha  mach  a  ifrinn,  is  e 
cumhachdach  gu  tearnadh. 

Dhiiisg  e  coguis  Isaiah,  tharruing  e  cridhe 
Phoil,  ghlan  e  mach  na  deamhnan  a  Mairi 
Magdalene,  Thug  e  sgrios  air  bas,  air  doille,  is 
luibhre.     Tha  e  cumhachdach  gu  tearnadh. 

"  Feuch  bhuadhaich  an  leomhann  a  tha  de 
threubh  ludah." 

"  O,  Israel  sgrios  thu  thu  fein  ach  annamsa 
tha  do  chobhair." 

Is  sona  thu  O  Israel,  c6  tha  cosmhail  riut,  O 
shluagh  a  shaoradh  leis  an  Tighearna,  sgiath  do 
chomhnaidh,  agus  neach  as  e  claidheamh  do 
mhorachd  ?  Agus  gheibhear  do  naimhdean 
"n  am  breugairean  duit,  agus  saltraidh  tu  air 
an  aitean  arda. 


Aslachadh 


losa  naoimh  nan  uile  ghras, 

Bi  riumsa  reidh  ; 

Tog  m'aigne  suas  gu  d'thulaich  chaoin, 

Is  glan  mo  chridh. 

Doirt  orm  de'n  lanachd  nuaidh. 

Na  dhuisgeas  ceol  ; 

Is  druid  mo  shuil  o'n  chroislich  fhaoin  ; 

'San  robh  mi  beo. 

Fogair  bas  is  cas  is  cruas, 
Led  cheolraidh  iiil  ; 


Is  aisig  m'anam,  chum  an  ait, 
Bu  ghnath  's  bu  dual. 

Oir  's  tus  an  Ti  a  shuidhich  miann, 
Gu  dealbhach  cubhr'  ; 
Gun  ar-a-mach  no  ni  bheir  pian  ; 
Ach  manran  ciiiin. 

Air  brat  na  h-oidhch  tha  soills'  do  ghniiis, 

A'  ruith  gu  seimh. 

Ath-ffhloir  na  p-loir  a'  lorg  mo  riar. 


Air  t-achadh  caomh. 


Gael. 


STAID  NAN  NAOMH 


Staid  nan  Naomh 


ATHAOBH  staid  nan  naomh  tha  Leabhar 
Aidmheil  a'  Chreidimh  a'  teagasg  gu  bheil 
anmanna  nan  creidmheach,  aig  uair  am  bais, 
air  an  deanamh  foirfe,  agus  a'  dol  a  steach  do 
ghloir,  ged  chaidleas  an  corp  anns  an  uaigh  gu 
la  na  h-aiseirigh.  An  uair  a  bhios  seanchas 
reidh  samhach  agam  ri  daoine  niu  nithean  sol- 
uimte  na  beatha  so  agus  mu  staid  nam  marbh, 
mar  a  bhitheas  air  uairean,  agus  gu  sonraichte 
ri  seann  daoine,  chan  'eil  ceist  eile  as  bitheanta 
a  chaidh  a  chur  orm  na  cheist  so,  An  tachair  sinn 
a  ris  ri  ar  luchd-gaoil  ami  an  neamh  ? 

Do  dhaoine  aig  a  bheil  gaol  air  a  cheile  is  e 
gath  a'  bhais  gu  bheil  e  a'  deanamh  sgaraidh 
eatorra,  agus  b'e  an  sgeul  a  b'fhearr  leo  a 
chluinntinn  gu'n  coinnich  iad  ann  an  neamh 
agus  nach  bi  dealachadh  ann  na's  mo.  Tha  an 
dochas  so  air  a  thoirt  duinn  ann  an  te  de  na 
laoidhean,  ged  tha  mi  an  diiil  gu  bheil  e  air  a 
chur  na's  laidire  anns  an  laoidh  na  tha  e  anns 
an  sgriobtur  air  a  bheil  i  air  a  steidheachadh. 

Fos  tamull  beag,  is  ruigidli  sinn 
An  caladh  ait  fadheoidh, 
'S  an  coinnich  sinn  na  sgaradh  uainn 
\S  cha  dealaich  sinn  na's  nio. 

Bu  mhaith  leam  a  radh  a  dh'  aon  ruith  gur  e 
so  ceist  nach  urrainn  mise  no  duine  eile  a 
fhreagairt.  Chan  'eil  foillseachadh  soilleir  no 
cinnteach  againn  anns  a'  Bhiobull  air  a'  chuis  ; 
ged  nach  'eil  dad  anns  a'  Bhiobull  air  an  urrainn 
cridheachan  leonta  greim  a  dheanamh  cha  mho 
a  tha  dad  ann  a  tha  toirt  bhuapa  an  dochais 
gu'n  coinnich  iad  r'an  cairdean  air  taobh  thall 
na  h-uagha,  agus  gu'm  bi  caidreamh  eatorra 
anns  an  t-siorruidheachd. 

A  dh'  innseadh  na  firinn,  is  e  so  ceist  nach 
tainig  riamh  a  steach  air  inntinn  nan  abstol. 
Ann  an  laithean  nan  abstol,  b'e  Criosd  a  mhain 
dochas  na  gloire,  agus  b'e  uile  aoibhneas  nan 
naomh  gu'm  biodh  iad  maille  ris-san  ann  an 
neamh.  Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  chan  'eil 
aon  fhacal  mu  ar  luchd-gaoil  am  measg  aoibh- 
neas is  solasan  na  siorrviidheachd,  ach  a  h-uile 
facal  mu  Chriosd.  Is  e  esan  a  mhain  solus  is 
gloir  neimh  ;  tha  aoibhneas  nan  naomh  a  co- 
sheasamh  ann  a  bhi  maille  ris-san.  Sin  teagasg 
an  Tiomnaidh  Nuaidh,  agus  sin  an  doigh  anns 
an  robh  na  h-abstoil  a'  sealltuinn  air  a'  chuis, 
air  chor  agus  gu'm  faod  e  bhi  fior  gu  bheil 
daoine  a  'call  tomhas  de'n  fhior  dhochas  a  thug 
Dia  dhaibh,  mar  is  moth  a  a  tha  a'  cheist  so  a' 
lionadh  an  cridheachan.  An  coinnich  sinn  ri  ar 
luchd-gaoil  ? 

Bha  ministir  ainmeil  ann  an  siorramachd 
Rois  a  chaill  a  bhean,  agus  iad  le  cheile  gle 
6g.  Bha  i  dha  mar  anail  a  bheatha,  agus  an 
deidh  a  bais  bhiodh  e  a'  guidhe  gun  tigeadh 


am  bas  air  fhein  gus  faotainn  comhla  rithe. 
An  ceann  greis  mhothaich  e  gu  robh  so  a' 
tighinn  eadar  e  agus  Criosd  ;  nach  ann  idir  air 
comunn  is  lathaireachd  Chriosd  ann  an  neamh 
a  bha  e  a'  smuaineachadh,  ach  air  companas  is 
caidreamh  a  mhnatha. 

Ach  chan  e  sin  a  gheibhear  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  ;  is  e  an  dochas  ait  a  tha  air  a  thoirt  do 
shluagh  an  Tighearna  amis  an  Tiomnadh  Nuadh 
sru'm  bi  iad  gu  brath  maille  ris  an  Tighearna, 
chan  e,  gu'm  bi  iad  gu  brath  maille  ri  luchd 
an  gaoil. 

A  mach  o'n  fhacal  a  tha  air  a  dheachdadh  leis 
an  Spiorad  Naomh  chan  'eil  urrainn  eile  as  cinn- 
tiche  na  fianuis  dhaoine  diadhaidh  a  thug  dhuinn 
am  beachd  air  a'  cheist  so,  agus  bu  mhaith 
leam  leigeil  le  aon  no  dha  dhiubh  sin  am 
beachd  innseadh  do  luchd  -  leughaidh  na 
duilleig  so,  gun  fhios  nach  toir  e  dhaibh 
comhfhurtachd  anns  an  sgaradh  a  rinn  am  bas 
'n  am  beatha. 

'Na  sheann  aois  sgriobh  Tomas  Carlyle  gu 
mhathair,  "  a  h-uile  uair  a  smuainicheas  mi 
gu'm  feum  mi  fhein  agus  sibhse  dealachadh, 
thig  crith  is  fuachd  orm  ;  chan  'eil  comhfhur- 
lachd  dhomh  ann  an  rud  air  bith  ach  ann  a  bhi 
creidsinn  gu'n  ceadaich  Dia  dhuinn  coinneach- 
adh  anns  an  t-saoghal  eile." 

Ann  an  1881  sgriobh  Iain  Ruskin  gu  Iain  Brim, 
an  lig-hiche  fflic  is  caomhail.  "  Tha  m'  athair, 

111 

agus  mo  mhathair,  agus  mo  bhan  -  altrum 
ghaolach,  a'feitheamh  orm  ann  an  tir  Immanuel 
Shuas." 

An  uair  a  chuala  Tomas  Chalmers  mu  bhas 
caraid  sonraichte  air  an  robh  meas  mor  aige 
sgriobh  e,  "  Bha  caidreamh  mills  eadaruinn  air 
thalamh,  agus  tha  mi  ag  altrum  a  mheud  's  a 
tha  an  soisgeul  a'  toirt  dhomh  de  dhochas  gu'm 
bi  caidreamh  mills  eadaruiiin  ann  an  neamh 
cuideachd.  " 

Ann  an  aon  d'a  litrichean  sgriobh  Phillips 
Brooks  mar  so,  "  Chan  urrainn  mi  gun  a  bhi 
smuaineachadh  air  uairean  ciod  an  seorsa  eolais 
a  bhios  aig  daoine  air  a  cheile  anns  an  t-saoghal 
eile,  agus  ciamar  a  bhios  iad  a'  cumail  suas  an 
cairdeis.  Tha  mi  an  diiil  gu'm  faic  sinn  smuain- 
tean  diomhair  a  cheile  cho  soilleir  's  ged  bhiodh 
iad  m'  ar  coinneamh  ann  an  leabhar.  Theag- 
amh  gu'n  cuir  so  eagal  is  uamhas  oirnn  an 
toiseach,  ach  ri  iiine  fasaidh  sinn  cleachdta  ris, 
agus  bidh  e  'n  a  fhaochadh  dhuinn  fhaireach- 
duinn  gur  h-aithne  d'ar  cairdean  a'chuid  as 
miosa  annainn  cho  mhaith  ris  a'  chuid  as  f hearr, 
agus  nach  bi  eagal  oirnn  gun  sgur  gu'm  bi  sinn 
air  ar  faotainn  a  mach." 

Ged  tha  daoine  a'  cnuasachadh  air  staid  nam 
marbh  bho  thoiseach  an  t-saoghail  chan  aithne 
dhuinn  a  bheag  uime  sin  fhathast  ;  chan  aithne 


6 


STAID  NAN  NAOMH— LAOIDH 


dhuinn  dad  barrachd  air  Socrates,  a  thubhairt 
bho  chionn  da  mhile  bliadhna,  "  Biodh  deagh 
mhisneach  agad  agus  greimich  air  an  aon  ni  so, 
nach  eirich  olc  do  dkuine  maith,  co  dhiu  a  tha 
e  beo  no  marbh." 

Tha  a'  bheachd  fhein  aig  a  h-uile  duine  mu 
neamh  ;  ach  ged  dh'  fhaodas  nach  'eil  fois 
shiorruidh  nan  naomh  cho  ion-mhiannaichte  ann 
an  siiilean  na  gineil  so  's  a  bha  e  ann  an  siiilean 
an  aithrichean,  tha  mi  an  diiil  gur  e  sin  am 
facal  as  fhearr  a  chaidh  riamh  a  labhairt  mu 
staid  nan  naomh,  dh'fhagadh  fois  fa  chomkair 
sluagh  Dhe. 


Ann  an  neamh  tha  fois  is  sith  is  aonachd  is 
solas  siorruidh  maille  ri  Criosd.  Dh'aithnich  na 
deisciobuil  air  beinn  a'  chruth-atharrachaidh 
Maois  is  EUah  ged  nach  fhaca  iad  riamh  iad 
anns  an  fheoil,  agus  faodaidh  e  bhith  nach  e  a 
mhain  gu'n  aithnich  sinn  anns  an  ath  shaoghal 
na  cairdean  a  b'  aithne  dhuinn  anns  an  t-saoghal 
so,  ach  gu'n  aithnich  sinn  na  naoimh  nach  fhaca 
sinn  riamh,  faidhean  is  martaraich  is  abstoil. 
Cha  bhi  oidhche  an  sin,  agus  chan  'eil  feum  aca 
air  coinnil  no  air  solus  na  grei?ie,  oir  bheir  an  Tigh- 
earna  Dia  solus  daibh  agus  rloghaichidh  iad  gu 
saoghal  nan  saoghal. 


Laoidh 


{Air  fonn  : 

MOLADH  siorruidh  do  ar  Dia-ne, 
A  chuir  losa  do'n  an  fheoil  ; 
Ghabh  ar  nadur  s  phaidh  na  fiachan, 
'S  thug  e  dioladh  a  bha  mor. 
Gheibh  an  coigreach  uaithe  blaths, 
Thig  'n  a  f  habhar  air  son  Ion  ; 
Is  cha  diobair  e  gu  brath  e, 
'S  mor  a  ghras  dha  air  gach  doigh. 


An  Gleann  'san  rbbh  mi  og.") 

'S  e  bhi  sealltainn  ris  a'  chrann  ud, 
Dh'aindeon  mealltaireachd  an  namh 
Bheir  oirinn  meas  na  challtachd, 
H'uile  ni  nach  meal  a  ghradh. 
'N  uair  a  liobhraigeas  tu  'n  deo, 
Co  thar  Jordan  ni  leat  snamh  ? 
'S  e  an  ti  sin  a  fhuair  coir  ort, 
'S  do  an  robh  thu  beo  gach  la. 


Thig  g'ar  n-ionnsaigh  's  dean  ar  diisgadh, 
'S  fad  o'n  thiiirling  oirinn  an  t-suain  ; 
Tha  sinn  slaodach  is  neo-aontach, 
Anns  a'  chaonnaig  a  tha  cruaidh. 
Biodh  do  tharruing  oirinn  gach  la, 
Troimh  an  fhasach  's  a'  Mhuir-ruadh  ; 
Gus  am  fag  sinn  air  an  traigh  iad, 
Na  bha  saruichto  dhinn  'n  ar  cuairt. 

O,  nach  geuraich  thu  ar  sealladh, 

Chum  gum  faic  sinn  mar  a  tha  ; 

'S  ri  ar  maoin  nach  dean  sinn  amharc, 

No  ri  ni  air  thalamh  ta. 

O,  nach  tarruing  thu  sinn  suas, 

'S  dean  sinn  fuaighte  riut  le  gradh  ; 

Chum  ar  n-anam  gum  bi  suaimhneach, 

Anns  a'  chuan  far  'n  dualach  snamh. 

Dean  ar  sgaradh  o  'nt-saoghal, 

'S  o  gach  faoineas  th'anns  an  fheoil  ; 

Oir  chan  oibrich  iad  ach  caoile, 

'S  bi  ar  saothair  maol  gun  treoir. 

'S  e  do  leantainn  anns  gach  ceum, 

Dh'aindeon  deuchainn  agus  deoir  ; 

Bheireadh  maisealachd  d'ar  beusan, 

'S  dachaidh  neimhidh  dhuinn  fa-dheoidh. 

O,  nach  sona  do'n  airimh  ! 
Tha  air  mana  a'  teachd  beo  ; 
Tha  an  anam  ag  iarraidh  sasachd, 
Anns  an  ti  a  mhain  tha  mor. 
Ach  a  dh'aindeon  mar  a  tha, 
Agus  fasalachd  ar  stoir  ; 
Tha  an  gealladh  do'n  fhasach, 
Gun  tig  i  fo  bhlath  mar  an  ros. 


Thig  am  fagus  dean  ar  glanadh, 

Is  ar  n-anam  cuir  air  ghleus  ; 

Is  gach  gealladh  thug  thu  seachad, 

Dean  iad  blasda  dhuinn  gu  leir. 

Agus  riut  gum  biodh  ar  siiil, 

Thar  gach  diiil  a  tha  fo'n  ghrein  ; 

Agus  labhairt  air  do  chliiisa, 

Bhiodh  e  dhuinn  mar  dhriichd  do'n  fheur. 

La  na  slainte  la  nan  grasan, 
Ni  sinn  fhagail  as  ar  deidh  ; 
Is  ar  cairdean  ni  ar  caradh, 
Tosdach  samhach  anns  an  eug. 
Bidh  cuid  eile  'g  eiridh  suas, 
'S  cliu  an  Uain  'g  a  chur  an  ceill  ; 
O,  bu  mhaith  a  bhi  'san  uair  sin, 
Feitheamh  shuas  air  neimh  nan  speur. 

Bidh  gach  allt  a'  ruith  am  Biarnaraidh, 
Mar  a  b'abhaist  dhaibh  o  chein  ; 
Anns  an  t-Samhradh  bidh  na  blathan, 
Feadh  gach  cearn  a'  fas  gun  eis. 
Gum  bi  aoibhneas  air  na  h-eoin, 
Bho'n  Chroic  chun  na  Bein-Shleibh  ; 
Agus  oighreachan  na  gloire, 
Seinn  air  gloir  's  air  morachd  Dhe. 

O,  's  e  faighinn  fo  'n  sgaile, 

Fhad  's  a  tha  sinn  anns  an  fheoil ; 

Dh'aindeon  saighdean  teinnteach  Shatain, 

Tha  a  ghras-san  dhuinn  na's  leor. 

'S  nuair  a  chaidleas  sinn  fo'n  chluain, 

Mar  as  dualach  do  ar  seors' 

Bidh  ar  n-anam  faighinn  suaimhnis, 

Far  nach  ruaigear  e  na's  mo. 

Biarnaraidh  Kuairidh  MacFhiongain. 


BUADHAN  FUIL  CHRIOSD 


Buadhan  Fuil  Chriosd 


"  r>]iasan  a  {/liraclhairh  slti»,  nf/iis  a  lUi'ionnhiid  sinii  n  or  pfacaihli  'n  a  fliuil  fein.'" — Tatsb.  i.  5. 


AN  toiseach  tha  huaidh  maithidh  innte,  oir  as 
xA-eugmhais  doirtidh  fala  chan  'eil  niaitheanas 
r'a  fhaotainn.  Is  beannaichte  esan  d'an  do 
mhaitheadh  eusaontas,  d'a  bheil  a  pheacadh 
ail-  fholach.  Agus,  arsa  Dia,  ri  cloinn  Israel, 
"  bidh  an  fhuil  dhuibh  mar  chomharra  air  iia 
tighean  anns  a  bheil  sibh  ;  agus  an  uair  a  chi 
mise  an  fhuil  theid  mi  thairis  oirbh,  agus  cha 
bhi  plaigh  oirbh  a  chum  bhur  milleadh  an  uair 
a  bhuaileas  mi  tir  na  h-Eiphit."  Chan  'eil  i  ag 
eigheach  dioghaltais  an  aghaidh  peacaich  anns 
an  t-saoghal  so  mar  bha  fuil  Abel.  Anns  an 
tir  anns  an  do  thogadh  mise,  anns  an  am 
dhorcha  roimh  theachd  an  t-soisgeil  'n  ar 
measg,  bha  e  air  a  radh,  nam  biodh  duine  ann 
a  rinn  mort  agus  nach  biodh  fios  eo  rinn  e,  a' 
cheud  uair  a  thachradh  am  mortair  a  bhi 
comhla  ri  dithis  no  triiiir,  agus  a  thigeadh  iad 
an  sealladh  an  aite  anns  an  robh  oorp  an  fhir  a 
mhortadh  air  fholach,  gun  leumadh  steall 
dhe'n  fhuil  air  aodann  a'mhortair,  agus  gum 
biodh  e  mar  so  air  a  bhrath  agus  air  a  ghlacadh 
gu  bhi  air  a  dhiteadh  gu  bas. 

Chan  'eil  mise  dol  a  radh  ciod  na  tha  de 
dh'fhir  inn  anns  an  aithris  ud,  ma  tha  firinn  idir 
innte,  ach  gum  faodadh  an  Dia  ceart  a  leithid 
sud  a  dheanamh  ann  an  laithean  aineolach  agus 
dorcha  'nar  tir  dh'easbhuidh  eolas  agus  solus 
an  t-soisgeil.  Ach,  mo  cho-pheacaich,  ged  a 
tha  sinn  ciontach  de  fhuil  Chriosd  ann  a  bhi  'g 
a  diiiltadh  agus  'g  a  cur  an  suarachas,  agus  mar 
sin  ag  aontachadh  agus  g  a  chur  gu  bas  cho 
cinnteach  ris  na  h-Iudhaich  a  cheus  e,  agus  aig 
an  robh  an  lamhan  dearg  na  fhuil,  agus  a  bha 
a'  glaodhaich  "  biodh  fhuil  oirnne  agus  air  ar 
cloinn,"  tha  fhuil  an  diugh  ag  eigheach  niaith- 
eanais  dhuibhse,  agus  chan  eirich  an  fhuil  so  gu 
brath  'nur  n-aghaidh  gus  ur  brath  no  bhur 
diteadh,  ma  chreideas  sibh  'n  a  buaidh  maithidh. 

Tha  buaidh  reitich  innte.  Tha  Dia  ann  an 
Criosd  deanamh  saoghal  caillte  reidh  ris  fhein 
gun  a  bhi  meas  an  cionta  dhaibh,  agus  dh'earb 
e  ruinne  focal  na  reite.  Agus  is  ann  o  Dhia  a 
tha  na  h-uile  nithean,  neach  a  rinn  sinne 
reidh  ris  fhein  tre  losa  Criosd,  agus  a  thug 
dhuinne  ministrealachd  na  reite.  Shonraich 
Dia  Criosd  mar  iobairt  reite  tre  chreidimh  n 
a  fhuil,  chum  fireantachd  fhoillseachadh  le 
maitheanas  nam  peacaidhean  a  chaidh  seachad 
tre  fhad-fhulangas  Dhe. 

Tha  buaidh  glanaidh  anns  an  fhuil.  "  Glan- 
aidh  '  fuil  losa  Criosd,  a  Mhac,  sinn  o  gach 
uile  pheacadh.  An  uair  a  tha  gach  fuil  eile 
salach  agus  a'  fagail  mi-mhaise  'n  a  deidh,  is 
ann  a  tha  fuil  Chriosd  a'  glanadh  agus  a' 
deanamh  neach  na's  g-ile  na  sneachd. 


Tha  buaidh  Jionnarachaidh  anns  an  fhuil, 
cosmhail  ri  fior-uisge  a  dh'fhionnaraicheas  an 
neach  a  tha  tartmhor,  paiteach,  air  a  thurus  fo 
theas  na  greine.  An  uair  a  tha  tart  air  neach  chan 
'eil  deoch  ann  as  fabharaiche  agus  is  fionnara 
na  am  fior-uisge.  Ach  tha  buaidh  fuil  Chriosd 
a'  toirt  barrachd  air  an  uisge,  oir  fionnaraichidh 
an  fhuil  an  t-anam  bochd  a  tha  air  tiormachadh 
fo  agartas  ditidh  coguis,  agus  fo  fhearg  Dhe  a 
tha  mar  ghath  teth  na  greine  a'  bualadh  air 
anam  agus  'g  a  thioramachadh  suas.  Fion- 
narichidli  i  an  t-anam  a  tha  air  a  sharuchadh  le 
buairidhean  Shatain  agus  le  geur-leanmhain- 
nean  an  t-saoghail. 

Tha  buaidh  neartachaidh  anns  an  fhuil.  "  Is 
biadh  "  arsa  Criosd  "  m'fheoil  agus  is  deoch  gu 
fn-inneach  m 'fhuil."  Tha  fuaran  uisge  anns  an 
tir  'san  robh  mise  air  mo  thogail  agus  an 
fheadhainn  a  bu  treise  chuireadh  iad  an  lamh 
sios  anns  an  uisge  a  dh'fheuchainn  c6  aca  a 
b'fhaide  a  chumadh  an  lamh  anns  an  fhuaran 
gun  lagachadh  ;  agus  am  fear  a  b'fhaide  a 
chumadh  a  lamh  anns  an  uisge  theirteadh  gum 
be  a  bu  treise  smior-cailleach.  Ach,  anam, 
tha  uisge  an  so  a  bheothaicheas  agus  a  neartai- 
cheas  tu  mar  tha  Criosd  a'  labhairt  ann  an 
Eoin  iv.  10,  13,  14. 

Tha  buaidh  sithichidh  innte.  Is  i  an  fhuil  a 
tha  labhairt  sith  ris  an  anam  an-shocrach,  neo- 
fhoisneach,  gun  sgiala,  gun  sealladh,  aige  air 
fois  an  anam  chiontach  chaillte,  gus  an  cluinn  e 
Criosd  ag  radh  :  "  Thigibh  am  ionnsaighsa 
sibhse  uile  tha  ri  saothair  agus  fo  throm  uallaich, 
agus  bheir  mise  suaimhneas  dhuibh." 

Tha  buaidh  tarruing  innte.  "  Ann  an  losa 
Criosd  tha  sibhse  a  bha  roimhe  so  fad  as  air 
bhur  toirt  am  fagus  tre  fhuil  Chriosd."  "  Agus 
mise  ma  thogar  suas  on  talamh  mi  tairngidh 
mi  na  h-7  h-uile  dhaoine  am  ionnsaigh." 

Tha  buaidh  naomhachaidh  innte.  "  Oir  ma 
ni  fuil  tharbh  agus  ghabhar  agus  luaithre 
aighe  air  a  crathadh  air  an  dream  a  bha  neo- 
ghlan  an  naomhachadh  chum  glanadh  na  feola, 
cia  mor  as  mo  ni  fuil  Chriosd,  a  thug  e  fein  suas 
tre  'n  Spiorad  shiorruidh,  gun  lochd  do  Dhia, 
bhur  cogais-se  a  ghlanadh  o  oibi'ibh  marbha 
chum  seirbhis  a  dheanamh  do'n  Dia  beoh  "  ; 
agus  mar  an  Titus  ii.  14. 

Tha  buaidh  comas  dol  a  steach  innte.  Cha 
b'urrainn  don  ard-shagairt  dol  a  steach  do'n 
ionad  a  bu  ro  naomha  gun  fhuil  na's  mo  na's 
urrainn  do  dh'aon  againne  dol  a  steach  a 
dh 'ionnsaigh  fior  fhagusgachd  ri  Dia  ach  tre 
fhui  Chriosd.  Eabh.  x.  19,  20. 

Tha  buaidh  saoraidh,  ceannach,  no  cur  fa- 
sgaoil  anns  an  fhuil,  air  son  nam  priosonach  a 


8 


BUADHAN  FUIL  CHRIOSD— CUMHACHD  ASEIRIGH  CHRIOSD 


bha  aig  lagh  agus  ceartas  an  sas  agus  ceangailte, 
agus  nach  deanadh  ni  bu  lugha  na  fuil  an  Dia- 
duine,  an  an  Tighearna  losa  Criosd,  a'  chuis  air 
am  fuasgladh.  "  Air  do  shonsa  fos,  le  fuil  do 
chomh-cheangail,  chuir  mi  mach  do  phriosonaich 
as  an  t-slochd  anns  nach  robh  uisge  sam  bith." 
Eaglais  Dhe  a  cheannaieh  e  le  fhuil  fein  ;  agus 
a  ris  1  Pead.  i.  18,  19. 

Tha  buaidh  daingneachaidh  innte.  Tha  i  a' 
deanamh  cinnteach  no  a'  seulachadh.  Tha 
cumhnant  nan  gras  le  uile  bheannachdan  air  a 
sheulachadh  le  fuil  an  tiomnaidh  -  fhir,  "  oir 
far  a  bheil  tiomnadh,  is  eigin  bas  an  tiomnaidh- 
fhir  a  bhi  ann  mar  an  eeudna."  Oir  tha  tiom- 
nadh daingeann  an  deidh  bas  dhaoine.  Is  e  so 
an  tiomnadh  no  an  coimheheangal  air  a  bheil 
e  a'  labhairt  an  Isaiah  liv.  10,  agus  2  Sam. 
mmiii.  5. 

Tha  buaidh  leaghaidh  innte.  "  Agus  amhair- 
cidh  iad  airsan  a  lot  iad,  agus  ni  iad  bron  air  a 
shonsa.  Is  e  sealladh  air  Criosd  agus  esan  air 
a  cheusadh,  agus  a  bhi  air  a  thoirt  fo  shileadh 
na  fola  a  tha  bristeadh  agus  a'  leaghadh  a' 
chridhe  as  cruaidhe.  "  Is  iad  iobairtean  Dhe 
spiorad  briste  ;  air  cridhe  briste  agus  bruite,  a 
Dhe,  cha  dean  thusa  tair."  Ma  tha  thu  ag 
radh  nach  urrainn  duit  do  chridhe  cruaidh  a 
leaghadh,  thig  leis  gu  Criosd,  a  tha  air  arda- 
chadh  air  son  aithreachas  agus  maitheanas 
peacaidh  a  thoirt  ;  thig  air  son  leaghadh 
cridhe   mur   h-urrainn   duit    tighinn   le   cridhe 


leaghta  ;  thig  air  son  cridhe  briste  mur  h- 
urrainn  duit  tighinn  le  cridhe  briste  ;  thig  air 
son  cridhe  aithreachail  mur  h-urrainn  duit 
tighinn  le  cridhe  aithreachail,  oir  tha  ghealladh 
mor  an  Kseciel  xi.  19- 

Tha  buaidh  tagraidh  innte.  Tha  i  labhairt 
nithean  as  fearr  na  fuil  Abel.  Bha  fuil  Abel 
a'  glaoghaich  air  son  dioghaltas,  ach  tha  fuil 
Chriosd  a'  tagradh  airson  maitheanais  ;  is  e 
glaodh  o,  bheul  Chriosd  fein.  "  Maith  dhaibh, 
athair,  am  peacadh  so,  oir  chan  'eil  fhios  aca 
ciod  a  tha  iad  a'  deanamh."  Tha  glaogh 
tagraidh  na  fola  a'  faighinn  eisdeachd,  agus  tha 
peacaich  a'  faighinn  maitheanais  tre'n  fhuil. 

Tha  buaidh  dionaidk  innte.  Cha  robh  ni  a' 
dol  a  ghleidheadh  chloinn  Israel  on  aingeal 
sgriosaidh  a  chaidh  a  mach  air  feadh  na  h-Eiphit 
gus  an  sgrios,  mar  a  rinneadh  air  na  h-Eiphitich, 
ach  gum  faiceadh  e  an  fhuil  air  na  dorsan.  "  An 
uair  a  chi  mise  an  fhuil  gabhaidh  mi  seachad 
agus  cha  bhean  mi  ri  aon  agaibh."  Cha  dion. 
agus  cha  ghleidh  ni  sam  bith  sinn  o  chunnart 
agus  o  chron  Siorruidh,  ach  fuil  Chi-iosd  a  bhi 
eadar  sinn  's  gach  truaigh  a  tha  air  lorg  a' 
pheacaidh. 

Tha  buaidh  huadhachaidh  innte.  "  Thug  iad 
buaidh  tre  fhuil  an  Uain."  Is  e  as  ciall  do'n 
oran  mholaidh  a  bhios  aig  na  naoimh  gu  sior- 
ruidh, no  an  glaodh  buadhach  a  bhios  aca  an 
gloir  :  "  Buaidh,  buaidh,  troimh  fhuil  an  Uain!" 

Macrath  Mor." 


Cumhachd  Aseirigh  Chriosd 

Chum  eblas  a  bhi  agam  airsan  agiis  air  cumhachd  asfiirif/h." — Phil.  iii.  10. 


CUIMHNICH  gur  e  tha  ann  am  beatha  losa 
Criosd  fior  bheatha  daonna,  air  a  caitheamh, 
anns  an  dearbh  fhuil  agus  fheoil,  fo  na  cumh- 
achan  eeudna  agus  fo  na  criochan  eeudna  is  a 
tha  sinne  ;  air  a  dheanamh  'n  a  dhuine  a  chum 
's  gum  biodh  e  coltach  ruinne. 

CuiMHNicH  nach  e  neart  nadurach  a  bha  n  a 
chorp  nadurra  ach  neart  spioradail.  Bha  an 
dearbh  Spiorad  sin  o  Dhia  a'  gabhail  comnaidh 
an  losa  's  a  tha  Dia  a'  gealltainn  a  thoirt 
dhaibhsan  uile  a  dh'  iarras  air  e. 

CuiMHNicH  gur  e  an  aon  bhuaidh  a  tha  aige 
OS  cionn  na  breige  agus  a  bhuairidh,  agus 
peacaidh  agus  bais  ;  agus  nach  'eil  anns  an 
aseirigh  ach  oibreachadh  deireannach  an  dearbh 
chumhachd  is  a  bha  ag  oibreachadh  tre  uile 
bheatha  naomh  losa  ;  air  chor  's  gun  d'thug  e 
buaidh  thairis  air  an  uaigh  leis  an  dearbh 
chumhachd  leis  an  d'thug  e  buaidh  air  an  olc. 

CuiMHNicH  ffu  bheil  a'  bheatha  so  air  a  toirt 


duinne  agus  air  ar  sonne  air  chor  's  gum  buinn 
sinn  dhith,  mar  a  bhuinneas  na  geugan  do'n 
fhionan,  no  mar  a  bhuinneas  na  buill  do'n  chorp. 

CuiMHNicH  gu  bheil  Criosd  ag  radh  :  "As 
m'  aonais-sa  chan  urrainn  sibh  aon  ni  a  dhea- 
namh, ach  feuch  tha  mi  maille  ruibh  an  comh- 
naidh,  eadhon  gu  ruig  deireadh  an  t-saoghail. 
Ge  be  neach  a  chreideas  annamsa — na  h-oibre 
a  ni  mise  ni  esan  iad  mar  an  eeudna.  Far  a 
bheil  mise  an  sin  bidh  sibhse  mar  an  eeudna.  " 

CuiMHNiCHiBH  na  nithean  so  agus  tuigidh 
sibh  ciod  a  tha  Pol  a'  ciallachadh  leis  na  bria- 
thran  "  eolas  air  cumhachd  aseirigh." 

Is  e  sin,  eolas  a  bhi  aig  neach  gu  bheil  an 
cumhachd  spioradail  as  mo  's  a  tha  's  a'  chruinne 
ullamh  gu  seilbh  a  ghabhail  air  agus  oibrea- 
chadh ann,  agus  gum  beothaich  esan  a  thog 
losa  o  na  mairbh  ar  cuirp  bhasmhor-ne  le  a 
Spiorad  a  tha  a  gabhail  comhnaidh  annainn. 

\"an  Dyke. 


Air 


5 


93 


Anns  an  TeampuU 


"  Agus  thubltairt  esan  rtu,  Car  son  a  bha  sibk  'ij  am  nhireadh.  ?     Nadi  rubhfhios  agaibk  gur  eight 
ddinh-sa  bid  arm  an  ligli  )ii'  jUhar.'^ — Lucas  ii.  49. 


SO  aon  de  na  h-aitean  anns  a'  BhiobuU  amis 
an  robli  na  sgoilearan  a  thionndaidh  gu 
Gaidhlig  e  air  thoiseach  air  na  sgoilearan  a 
thionndaidh  gu  Beurla  e.  Anns  a'  Bhiobull 
BheurUi  bha  e  air  a  chur  sios  gur  e  a  thubhairt 
losa,  gu'm  b'  eigin  da  a  bhi  air  cheann  gJiothuch 
'Athar,  ach  anns  an  eadar-theangachadh  niu 
dheireadh  tha  a'  Bheurla  a'  leantuinn  na 
Gaidhhg  agus  ag  radh  gu'm  b'  eigin  da  bhi 
ami  an  tigh  'Athar. 

Is  e  Lucas  a  chum  air  chuimhne  am  facal  so 
agus  chan  'eil  teagamh  nach  ann  o'n  oigh 
Muire  a  fhuair  e  e.  Cha  robh  Lucas  'na  shiiil- 
fhianuis  air  na  nithean  a  tha  e  ag  innseadh 
anns  an  t-soisgeul,  ach  tha  e  fein  ag  radh  gu'n 
do  ghabh  e  mdran  dragha  los  cunntas  f  irinneach 
fhaotainn  mu  bheatha  Chriosd,  agus  b'e  Muire 
aon  de  na  h-urrais  e  bha  aige.  Tha  rud 
no  dha  anns  an  t-soisgeul  so  nach  b'  urrainn 
duine  eile  fhios  a  bhi  aige  air  ach  Muire,  agus 
mar  sin  faodar  a  radh  gur  ann  bhuaipe  a  fhuair 
Lucas  iad. 

"B'e  so  an  dara  uair  a  bha  losa  anns  an  team- 
pull.  An  uair  a  bha  e  mios  a  dh'  aois  thug  a 
pharantan  ann  e  a  chum  an  lagh  a  choimh- 
lionadh,  agus  a  nis  an  uair  a  bha  e  da  bhladhna 
dheug,  thug  iad  leo  e  do'n  teampull  a  ris.  B'e 
sin  an  aois  aig  an  robh  balaich  ludhach  a' 
toiseachadh  air  gnathannan  an  lagha  a  lean- 
tuinn, a  thaobh  fheilltean  is  trasgaidh. 

Anns  an  dara  salm  thar  an  t-sia  fichead  tha 
sinn  a'  leughadh  mu'n  aoibhneas  leis  an  rachadh 
an  oigridh  suas  do  Jerusalem  a  dh'  iocadh  am 
boidean  do  Dhia  ann  an  ciiirtibh  naomh  a 
thighe,  agus  do  bhrigh  gu  robh  losa  air  a 
dheanamh  coltach  ruinne  anns  na  h-uile 
nithean  faodar  a  bhi  cinnteach  gu  robh  an 
t-aoibhneas  sin  'n  a  chridhe  aig  an  am  ud  a 
bhios  ann  an  cridhe  duine  oig  an  uair  a  shuidh- 
eas  e  comhla  r'a  pharantan  aig  bord  a'  choman- 
achaidh  air  son  na  ceud  uaire. 

Bha  aoibhneas  orm  trath  thubliairt  iad, 
Gu  tigh  Dhe  theid  sinn  suas. 
A'd'  dhorsaibh,  O  Jerusalem, 
Ar  cosan  seasaidh  fos. 

Chuir  e  iongantas  air  Muire  agus  air  Joseph 
gu'n  d'  fhan  losa  anns  an  teampull  an  uair  a 
bha  duil  aca  gu  robh  e  anns  a'  chomhlan  a  bha 
dol  dhachaidh  gu  Nasaret,  ach  chuir  e  iongantas 
air   losa  gu   robh   iongaiitas   orra-san,   no  gum 


biodh  iliiil  aca  gu  robh  e  ann  an  aiie  eile.  Mar 
gu'n  abradh  e  riu,  C'aite  eile  am  bithinn  ach 
ann  an  tigh  m'  Atliar  't  So  a'  cheud  fhacal  de 
na  labhair  losa  air  an  do  chumadh  cuimhne, 
agus  tha  e  air  a  radh  nach  do  thuig  Muire  no 
loseph  ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh  .  Tha  e  car 
neonach  nach  do  thuig  Muire  e,  oir  is  ann  air  a 
gltiin  f  hein  a  dh'  ionnsaich  e  tigh  an  Tigheai'na 
a  ghradhachadh  an  toiseach.  Ach  theagamh 
gu  bheil  e  na's  fhasa  dhuinne  a  thuigsinn  na 
bha  e  dhaibh-san,  oir  is  aithne  dhuinn  ciod  a 
thachair  an  deidh  laimhe,  agus  tha  facail  eile 
anns  an  t-soisgeul  a'  tilgeadh  soluis  air ;  facail 
mar  so, 

(1)  Chan  ann  air  aran  a  mhain  a  thig  an  duine 

beo,  ach  air  gach  uile  fhacal  a  thig  o 
bheul  Dhe. 

(2)  Is  e  mo  bhiadh-sa  toil  an  Ti  a  chur  uaithe 

mi  a  dheanamh 
Is  maith  an  comharradh  e  air  daoine  gradh 
a  bhi  aca  do  thigh  Dhe  agus  high  a  bhi  aca 
ann  an  obair  Dhe.  Tha  an  salmadair  ag  radh 
gu'm  b'  fhearr  leis  a  bhi  'n  a  dhorsair  ann  an 
tigh  Dhe  na  bhi  'n  a  chomhnuidh  ann  am 
pailliunnaibh  aingidheachd,  agus  ann  an  aite 
eile  tha  e  ag  radh  gu'm  b'  e  miann  a'  chridhe  a 
bhi  ann  an  tigh  an  Tighearna  re  uile  laithean  a 
bheatha. 

.  Aon  ni  do  nihiannaicli  mi  o  Dhia, 
Gu  mlnic  iarram  e  : 
A  bhi  a'm'  chomhnuidh  feadh  mo  la 
'An  tigh  's  an  aros  Dhe  ; 

Ach  daoine  a  sheachnas  tigh  an  Tighearna, 
no  nach  urrainn  ceathramh  an  uaireadair  a 
chur  seachad  ann  gun  toiseachadh  air  mianan- 
aich  mar  gu'm  biodh  ciiirtean  an  Tighearna 
'n  an  sgiths  do'n  fheoil,  sin  daoine  aig  a  bheil 
spiorad  eile  seach  an  spiorad  a  bha  aig  losa. 

Bha  losa  a'  ciallachadh  cuideachd  leis  an 
fhacal  ud  gu  robh  tiigh  aige  ann  an  rioghachd 
Dhe,  agus  gu  robh  e  a'  dol  a  choisrigeadh  a 
bheatha  los  obair  Dhe  a  chur  air  aghaidh. 
Sin  rud  a  dh'  fheumas  a  luchd-leanmhuinn  a 
dheanamh  cuideachd.  Chan  e  mhain  gu'm  bu 
choir  do  chreidmhich  gun  a  bhi  leasg  'n  an 
gnothuichean  fhein  ach  bu  choir  daibh  mar  an 
ceudna  a  bhi  diirachdach  ann  an  seirbhis  an 
Tighearna.  Feoraicheamaid  dhinn  fhein  gu 
de  a  tha  sinn  a'  deanamh  gus  an  soisgeul  a 
chraobh-saaoileadh    air    feadh    an    t-saoffhail 


2 


ANNS  AN  TEAMPULL— ANNS  A'  CHATHAIR 


agus  innsidh  sin  dhuinn  ciod .  a  ghne  spioraid 
a  tha  annainii.  Gach  bliadhna  tha  glaodh 
a'  tighinn  o  na  soisgeulaichean  ami  an  diith- 
channan  cein  ag  iarraidh  cuideachaidh,  ach 
their  sinne  riutha  nach  'eil  airgiod  againn  air 
an  son.  Mo  naire,  Mo  naire  !  Tha  airgiod  gu 
leoir  againn  na'n  robh  an  toil  's  an  diirachd 
againn.    Tha  airgiod  againn  air  son  soghaltachd 


is  comhfhurtachd  na  feola ;  airgiod  air  son 
diblie,  is  tombaca,  is  fichead  rud  eile  a  dh' 
fhaodaniaid  deanamh  as  an  euffnihais  :  airgiod 
air  son  gach  rud  eile  ach  aobhar  Dhe  agus  an 
t-soisgeil.  Bheirear  am  bonn-a-se  do  Chriosd 
agus  gleidhear  dhuinn  fhein  an  tasdan.  Tha 
an  spiorad  sin  calg-dhireach  an  aghaidh  an 
fhacail  ud  a  labhair  losa  anns  an  teampull. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  ghoirid  bha  mi  ann  an  eaglais 
shonraichte,  far  an  robh  e  air  iarraidh  orni 
seirbhis  a  dheanamh  an  Gaidhlig.  An  uair  a 
chaidh  ixii  suas  do'n  chtibaid  chunnaic  mi  anns 
a'  chathair  a  bha  innte  leabhar  air  an  robh  a 
choslas  gu  robh  e  air  uisneachadh  mar  aite- 
suidhe  ;  bha  tolg  no  lag  'na  mheadhon  mar 
gu'm  faiceadh  tu  nead  faoilinn.  Tha  de  mheas 
agam-sa  air  leabhraichean,  agus  air  na  sgoil- 
earan  a  bhios  'g  an  sgriobhadh,  's  nach  bu 
mhaith  learn  suidhe  air  Almanac,  no  eadhon 
air  paipear-naigheachd,  gun  tighinn  air  leabh- 
raichean ceart.  Ach  an  uair  a  thog  mi  an 
leabhar  ud  agus  a  sheall  mi  air,  ciod  an  leabhar 
a  bha  ann  ach  am  Biobull  ur  Gaidhlig  ! 

Chuir  an  rud  uamhas  orm,  agus  fearg  cuid- 
eachd ;  eas-urram  a  bin  air  a  thoirt  do'n 
Leabhar  Naomh,  agus  obair  dhaoine  diadhaidh 
agus  ard-sgoilearan  a  bhi  air  a  chur  an  suarachas 
air  an  doigh  ud. 

Bha  am  Biobull  ud  air  a  cheannach  leis  a' 
choiiTfththional  an  uair  a  thainig  e  a  mach  ann 
an  1902,  ach  ged  bha  ceithir  ministearan  anns 
an  eaglais  bhuaith  sin  thubhairt  fear  de  na 
foirbhich  rium,  ris  an  do  bhruidliinn  mi  mu'n 
ghnothuch,  nach  d'  uisnich  fear  seach  fear  dhiubh 
am  Biobuii  ud  riamh.  B'  fhearr  leo  a  bhi 
leughadh  as  an  t-seann  fhear. 

Cha  robh  an  seann  Bhiobull  Gaidhlig  a  bha 
anns  a'  chiibaid  ud  anabarrach  boidheach  o'n 
taobh-a-muigh,  oir  bha  e  'na  luideagan  agus 
na  claran  a'  tuiteam  dheth,  agus  idir  idir  cha 
robh  e  freagarrach  air  son  an  aite  anns  an  robh 
e,  oir  cha  robh  ann  ach  leabhar  beag  agus  an 
clo  cho  meanbh  's  nach  robh  e  furasd  a  leughadh 
mur  robh  leirsinn  mhaith  aig  duine,  ach  cha  b'e 
sin  a  thug  orm-sa  a  chur  air  chul,  agus  am  fear 
eile  a  chur  'n  a  aite,  ach  gu'n  robh  meas  agam 
air  an  Ollamh  Iain  Mac  Illeathain,  nach 
maireann,  agus  nach  bu  mhaith  learn  dimeas 
a  bhi  air  a  dheanamh  air  obair-san. 

Tha  f  hios  aig  an  t-saoghal  nach  e  mhain  gur 
e  an  Dotair  Mac  Illeathain  a  chur  ceann-criche 
air  ceartachadh  a'  Bhiobuill  Ghaidhlig,  ach  gur 
e  a  rinn  a'  chuid  bu  mhotha  de'n  obair,  gu 
sonraichte  anns  an  t-seann  Tiomnadh.  An  uair 
a  thoisich  an  obair  an  toiseach  b'e  an  t-Ollamh 
Tomas  Mac  Lachlainn,  an  Duneideann,  agus  an 
t-Ollamh  Gilleasbuig  Mac-a-Chleirich,  an  Cill- 


mhaillidh,  coilich  -  Fhrangach  na  sgoilearachd 
Ghaidhlig,  ach  bha  coileach  eile  a'  togail  a 
chinn,  an  t-Urramach  Alasdair  Camshron,  an 
Arainn,  sgoilear  a  b'  fheai-r  na  gin  aca,  ach 
duine  do  nach  robh  e  furasda  gitilan  le  stalcairean 
gu  foighidinneach,  agus  a  bha  coma  air  uairean 
ciod  a  theireadh  e  umpa,  na'm  beireadh  e  orra 
a'  deanamh  mearachd.  Cha  bu  toigh  le  Alasdair 
Camshron  an  dithis  eile,  is  cha  bu  toigh  leo  e  ; 
cha  robh  e  furasda  dhaibh  oibreachadh  le  cheile 
ann  an  sith,  agus  b'e  sin  an  t-aobhar  (an  tomhas 
mor  CO  dhiu)  gu  robh  moille  air  a  chur  an  obair 
nan  daoine  a  bha  an  cur  air  leth  gus  am  Biobull 
Gaidhlig  a  cheartachadh. 

Ged  bha  am  Biobull  air  a  dheagh  eadar- 
theangachadh  gu  Gaidhlig  bho  chionn  fhada 
leis  na  Stiiibhardaich  agus  na  sgoilearan  eile 
a  chuidich  leo,  bha  mearachdan  ann,  is  bha  e 
feumail  na  mearachdan  sin  a  cheartachadh  anns 
a'  chlo  iir.  A  thuilleadh  air  sin,  fhuaradh  seann 
sgriobhaidhean  a  bha  tilgeadh  solus  iir  air  htir 
nan  sgriobturan  nach  robh  aig  na  seann  sgoil- 
earan a  dh'  eadar-theangaich  e  an  toiseach, 
agus  air  iarrtus  a'  Chomuinn  Urramaich  a  tha 
chum  eolas  Criosduidh  a  sgaoileadh  air  feadh 
na  Gaidhealtachd  agus  Eileanna  na  h-Alba, 
chuir  an  da  eaglais,  Eaglais  na  h-Alba  agus  an 
Eaglais  Shaor,  buidheann  de  sgoilearan  maith 
air  leth,  gus  an  obair  so  a  dheanamh. 

Ach  mar  a  thubhairt  mi  cheana,  bha  moille 
air  a  chur  anns  an  obair  is  cha  do  choinnich  am 
buidheann  fad  bhliadhnachan  ;  shiubhail  iad 
fear  as  deidh  fir,  gus  mu  dheireadh  nach  robh 
ach  gle  bheag  dhiubh  air  fhagail.  An  uair  a 
chuala  mise  a'  cheud  iomradh  air  obair  nan 
daoine  so,  agus  mi  air  dol  do'n  Oil-thigh,  cha 
robh  gin  de  'n  t-seann  fheadhainn  a  lathair  ; 
bha  an  Dotair  Mac  Illeathain  air  ceann  a 
ghabhail  anns  an  obair,  agus  anns  na  bliadh- 
nachan  mu  dheireadh  co  dhiu  cha  robh  comhla 
ris  ach  Tormod  Mac  Leoid  an  lonarnis ;  Raibeart 
Blar  an  Duneideann,  agus  Niall  Deorach  an 
Cinn-a-ghiuthsaich. 

Ach  air  son  na  rinn  gin  dhiubh  sin  cha 
ruigeadh  iad  a  leas  a  bhi  comhla  ris  idir  ;  cha 
robh  annta  ach  luchd-gabhail  an  aiseig.  B'e 
an  Dotair  Mac  Illeathain  bu  sgiobair  agus  bu 
sgioba  a'  bhata  ;  bha  e  'na  chleireach  ;  'n  a 
stiiibhard;  agus  'na  chocaire.    Theagamh  nach 


ANNS  A'  CHATHAIR 


deachaidh  ainm  an  Dotair  Mhic  Illeathain  am 
fad  's  am  farsuingeachd  mar  chaidh  ainm 
mhinistearan  agus  sgoilearan  eile  a  bha  againn 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  ach  mur  deachaidh, 
b'e  an  t-aobhar  nach  bu  duine  e  a  sheideadh 
a  thi-ompaid  fein,  no  a  thogadh  a  ghuth  aig 
of)inneamh  no  air  sraid. 

Bhiodh  iad  ag  radh  an  Tirithe,  far  an  do 
rugadh  e,  gur  e  a'  cheud  fhuaim  a  thainig  o 
bhilean  'n  a  leanabh  A  ;  an  ath  fhuaim  B  ; 
agus  an  sin  C  ;  ach  co  dhiu  a  tha  sin  fior  no 
nach  'eil  bha  an  sgoilearachd  an  Iain  Mac 
Illeathain  o  laithean  oige,  is  cha  robh  suim  no 
iiigh  aige  ann  an  rud  air  bith  eile.  An  uair 
annamh  a  bhiodh  e  air  a  dhealachadh  o  leabh- 
raichean  agus  o  obair  cha  bhiodh  fhios  aige 
ciod  a  dheanadh  e  ris  fhein  ;  am  measg  dhaoine 
a  bhiodh  'gan  cluich  fein  bha  e  mar  neach  a 
bha  air  chall  ann  an  ceo  ;  cha  chuala  mi  gu'n 
deachaidh  e  riamh  air  snamh,  no  gu'n  do  thilg 
e  clach  no  ord,  no  gu'n  d'  fheuch  e  ri  leum  no 
ri  iomain,  no  eadhon  ri  golf.  Bha  e  aireanih 
mhor  bhliadhnachan  ann  an  Glaschu  far  a  bheil 
daoine  air  an  toirt  thairis  do  iodhol-aoraidh  ris 
an  abrar  hall-coise,  ach  chan  fhaca  e  riamh  na 
Rangers  no  na  h-Academicals  a'  cluich.  Dh' 
innis  mi  uair-eigin  do'n  Ollamh  Mac  Fhionghain 
nach  maireann,  an  companach  a  bu  dliiithe  a 
bha  aige  anns  an  t-saoghal,  gu'm  faca  mi  an 
Dotair  Mac  Illeathain  anns  a'  bhaile  an  diugh, 
ach  nach  fhaca  esan  mise  ged  nach  robh  sinn 
slat  o  cheile.  "  Creididh  mi  sin,"  arsa  Mac 
Fhionghain,  "  ach  na'm  b'  fhacal  Eabhra  thu 
cha  rachadh  tu  seachad  air  gun  fhios  da." 

Ma'n  deachaidh  e  do  eaglais  Chaluim-chille 
an  Glaschu  bha  e  an  Cill-chomain  an  He,  agus 
anns  an  Tairbeart,  sgirean  Gaidhealach  far  an 
d'  fhuair  e  uine  is  cothrom  air  bunaitean  a 
sgoilearachd  a  leagail  gu  seasmhach,  bunaitean 
air  an  do  lean  e  air  togail  am  measg  straighlich 
a'  bhaile-mhoir.  An  deireadh  a  bheatha  bha  e 
'na  dhuine  cho  ionnsaichte  's  a  bha  ann  an 
eaglais  na  h-Alba  ;  cha  b'  aithne  dhomh 
ministear  Gaidhealach  riamh  a  bha  cho  coimh- 
lionta  ris  ann  an  canainean  :  Laidionn,  is 
Greigis,  is  Eabhra,  is  Gaidhlig.  Ach  b'  aithne 
dhomh  gu  leoir  a  b'  fhiosraiche  na  e  ann  an 
nithean  eile,  agus  a  b'  fhearr  inntinn  is 
breithneachadh. 

An  drasd  's  a  ris  bhiodh  am  buidheann  dhaoine 
aig  an  robh  lamh  ann  an  ceartachadh  a'  Bhio- 
buill  Ghaidhlig  a'  coinneachadh  agus  a'  dol 
thairis  air  an  obair  comhla,  ach  bhiodh  an 
gnothuch  a'  cheart  cho  mhaith  ged  nach  biodh 
coinneamh  idir  aca,  oir  cha  robh  dad  a'  tachairt 
aig  na  coinneamhan  sin  ach  gu'n  aontaicheadh 
each  ris  an  atharrachadh  a  theireadh  an  Dotair 
Mac  Illeathain  a  bu  choir  a  bhi  air  a  dheanamh. 
Cha  robh  duine  dhiubh  d'  am  b'  aithne  Eabhra 
ach  e  fein,  agus  mar  sin  leig  iad  a  shiubhal  leis, 
ach  a  mhain  gu'n  abradh  Tormod  Macl>e6id  air 


uairean  ann  an  guth  a  bha  mar  fhuaim  an 
orgain,  "  As  uchd  mhaitheis  fag  am  facal  so 
gun  atharrachadh,  ma  ghabhas  e  deanamh." 

Bha  Tormod  MacLeoid,  an  da  chuid,  eireach- 
dail  'na  phearsa  agus  uasal  'n  a  nadur,  ach  cha 
bu  sgoilear  e,  is  cha  mho  a  bha  baigh  aige  ri 
sgoilearan  no  ri  'n  obair.  Cha  robh  e  ach  ceithir 
bliadhna  deug  an  uair  a  chaidh  e  do  Oil-thigh 
Ghlaschu,  is  bha  e  air  a  chur  os  cionn  coimh- 
thionail  'n  a  bhliadhna  air  f  hichead,  coimthional 
cho  trom  air  ministear  's  a  tha  ann  an  Albainn, 
eaglais  Chaluim-chille  an  Glaschu,  air  chor  agus 
nach  d'  fhuair  e  riamh  cothrom  ceart  air  eolas 
a  chruinneachadh,  no  air  bunaitean  ceart  a  chiu' 
fo'n  eolas  a  bha  aige.  Ach  bha  tin*  nkdurra 
aige  ann  an  tomhas  mor,  agus  inntinn  laidir, 
agus  a  chionn  's  gu  robh  aite-seasamh  urramach 
aige  anns  an  eaglais,  agus  gu'n  robh  Gaidhlig 
aige  o  oige,  bha  e  air  a  chur  air  a'  Chomunn  so 
a  cheartaich  am  Biobull  Gaidhlig.  Ach  cho  fad 
's  is  aithne  dhomh-sa  chan  'eil  larach  a  laimhe 
air  aon  fhacal  a  tha  anns  an  leabhar. 

Theid  aig  duine  nach  'eil  'n  a  sgoilear  air  obair 
mhaith  a  dheanamh  as  a  cheann  fein,  agus  air 
Gaidhlig  mhaith  a  sgriobhadh  no  labhairt  bh^rr 
a  phinn  notheangaidh  fein,  ach  chateid  aig  duine 
nach  'eil  'n  a  sgoilear  air  eadar-theangachadh  a 
dheanamh  o  chanain  gu  canain,  no  air  seann 
obair  a  cheartachadh.  Sgriobhadh  is  bhruidh- 
neadh  an  t-Ollamh  Raibeart  Blar  Gaidhlig  na 
b'  fhearr  na  Iain  Mac  Illeathain,  is  labhradh 
Tormod  Mac  Leoid  na  b'  fhearr  na  e,  ach  an 
uair  a  thoisicheadh  iad  air  eadar-theangachadh 
o  na  canainean  eile  gu  Gaidhlig  cha  robh  gin 
aca  a  b'  f  hi  ach  an  obair  a  chur  air  paipear  ach 
a  mh^in  Iain  Mac  Illeathain. 

Chan  'eil  mi  cinnteach  gu  de  cho  fad  's  a  bha 
an  t-Ollamh  Mac  Fhionghain  air  a'  Chomunn 
so,  ach  m'an  do  dhealaich  e  riu,  tha  mi  an  diiil 
gu  robh  an  Tiomnadh  Nuadh  criochnaichte,  ach 
a  thaobh  's  nach  b'  aithne  dha  Eabhra  cha  do 
ghabh  e  gnothuch  ris  an  t-seann  Tiomnadh. 

Ged  is  mor  am  facal  e  cha  robh  duine  eile 
an  Albainn  o  chionn  tri  fichead  bliadhna  gus 
an  la  an  diugh  a  b'  urrainn  an  Tiomnadh  Nuadh 
an  Gkidhlig  a  cheartachadh  cho  mhaith  ri  Mac 
Fhionghain,  co  dhiu  ann  an  deireadh  a  laithean 
mar  a  b'  aithne  dhomh-sa  e. 

Ma  sheallas  sibh  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig 
chi  sibh  nach  'eil  aite  air  bith  anns  an  do  rinneadh 
barrachd  atharrachaidh  na  rinneadh  air  Gniomh- 
aran  nan  Abstol,  agus  gu  sonraichte  air  na 
caibidealan  mu  dheireadh  far  a  bheil  cunntas 
againn  air  an  turus-cuain  aig  Pol.  Sin  uile 
obair  Mhic  Fhionghain,  agus  mar  thubhairt  mi 
cheana,  cha  robh  duine  eile  riamh  an  Albainn 
a  b'  urrainn  an  obair  a  dheanamh  na  b'  fhearr. 
Bha  snas  is  grinneas  air  a  laimh  co  dhiti,  ach 
a  thuilleadh  air  sin,  bha  eolas  aige  air  muir  is 
bataichean  nach  robh  aig  gin  eile  de  na  daoine 
aig-  an  robh  lamh  anns  a'  Bhiobull.     Bha  na 


ANNS  A'  CHATH  AIR -ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Stiiibhardaich  agus  an  fheadhainn  eile  a 
chuidich  leo  na  b'  eolaiche  air  ciobaireachd  na 
bha  iad  air  marachd ;  ged  bha  cainnt  a' 
mhonaidh  agus  nan  gleann  aca,  cha  robh  cainnt 
na  niara  aca. 

Faodaidh  mi  so  a  dhearbhadh  as  am 
briathran  fein.  Cuiridh  mi  sios  air  a'  cheiid 
sreath  mar  tha  earrannan  sonraichte  anns  an 
t-seachdamh  caibideal  air  fhichead  air  an  cur 
anns  an  t-seann  Bhiobull  Ghaidhlig,  agus 
cuiridh  mi  fodhpa,  ann  an  litreachadh  Eadail- 
teach,  mar  tha  na  ceart  earrannan  air  an  cur 
anns  an  f  hear  iir. 

xxvii.  2. 

Air  dhuinn  dol  air  luing  le  Adramitium  thog 

sinn  ar  seoil. 
Air  dhuinn  dol  air  bbrd  luinge  a  hlmineadh  do 

Adramitium  chuir  sinn  gufairge. 

xxvii.  4. 

Air  dhuinn  stiiiradh  as  a  sin  sheol  sinn  fo 

Chiprus,  a  chionn  gu  robh  na  gaotha  'n  ar 

n-aghaidh. 
Air  dhuinn  cur  gufairge  as  a  sin,  shebl  sinn  air 

an  iaobh  leis  de  Chiprus,  a  chionn  giin  robh 

a'  ghaoth  an  ceann. 

xxvii.  10. 

Tha  mi  faicinn  gu'm  bi  an  t-seoladaireachd  so 
le  dochann  agus  call  mor,  chan  e  mhain 
do'n  luchd  agus  do'n  luing,  ach  d'  ar 
n-anamaibh  fein. 
Tha  mi  a'  faicinn  gu'm  hi  dochann  agus  call 
mor  an  lorg  an  turuis  so,  chan  ann  a  mhain 
do'n  luchd  agtis  do'n  luing,  ach  mar  an  ceudna 
d'  ar  beatha  fein. 

xxvii.  12. 

Caladh  de  Chrete  a  tha  'g  amharc  chum  an 

iar-dheas  agus  an  iar-thuath. 
Caladh   ann   an    Crete   a   tha  fosgladh   ris   an 

ear-thuath  agus  ris  an  ear-dheas. 

xxvii.  15. 

Agus  air  blii  do'n  luing  air  a  fuadachadh,  agus 

gun  chomas  di  dol  an  aghaidh  na  gaoithe, 

leig  sinn  ruith  dhi. 

.  An  uair  a  bha  an  long  air  a  glacadh  (leis  a' 

ghaoith  Euracuilo)  agus  nach  b'  urrainn  di 


ceann  a  thoirt  do'n  ghaoith,   thaiTuing  sinn 
air  falbh  agus  chaidh  ar  fuadach. 

xxvii.  17. 

Leig  iad  an  seol  sios  agus  mar  sin  dh'  iomain- 

eadh  iad. 
Leag  iad  an  t-aodach  agus  chaidh  am  fuadach. 

xxvii.  29. 

Thilg  iad  ceithir  acraichean  a  deireadh  na 

luinge. 
Thilg  iad  ceithir  acraicheam  a  mach  thar  an 
deiridh. 

xxvii.  40. 

Thog  iad  am  priomh-sheol  ris  a'  ghaoith,  agus 

sheol  iad  chum  na  traighe. 
Air  dhaibh  an  sebl-toisich  a  thogail  rinn  iad  air 

an  traigh. 

Chan  'eil  an  ceartachadh  iir  a  rinneadh  air  a' 
Bhiobull  Ghaidhlig  gun  mhearachdan  ;  na  'n 
robh,  cha  b'  obair  duine  e  ;  ach  tha  e  cho  maith 
's  nach  ruigear  a  leas  a  dheanamh  gu  brath 
tuilleadh.  Agus  faodar  a  radh  nach  robh 
ministear  an  Albainn  aig  an  am  a  b'  urrainn  an 
obair  ud  a  dheanamh  na  b'  fhearr  na  'n  Dotair 
Mac  Illeathain.  Bha  e  'na  dhuine  coguiseach 
gu  nadurra,  agus  'n  a  dhuine  aig  an  robh  gaol 
air  an  f  hirinn,  ach  chuir  an  sgoilearachd  geiread 
air  a  choguis  a  thaobh  fhacal  nach  leigeadh  leis 
dol  lend  na  roinneig  a  null  no  nail  o'n  rud  a  bha 
ceart. 

Uair  a  bha  e  ann  an  Tirithe,  aig  an  Fhaidhir 
Shamhraidh,  agus  daoine  a'  saoilsinn  gu'n 
deachaidh  e  ann  a  leigeil  a  sgiths  agus  a  ghabhail 
fois,  bha  e  ag  oibreachadh  tri  uairean  deug  a 
h-uile  latha  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig. 

Tha  e  'n  a  thoileachadh  dhomh-sa  iomradh  a 
dheanamh  air  mo  sheana  charaid  air  an  duileig 
so,  agus  urram  a  thabhairt  do  dhuine  a  b'  airidh 
air.  Tha  cuimhne  dhaoine  cho  goirid  anns  na 
laithean  driopail  so  's  gu  bheil  gu  leoir  de 
mhinistearan  anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh 
nach  cuala  iomradh  air  Iain  Mac  Illeathain 
riamh,  agus  aig  nach  'eil  f  hios  c6  aig  an  robh  lamh 
ann  an  ceartachadh  nansgriobturan  an  Gaidhlig, 
nia  tha  f hios  aca  gu  robh  an  ceartachadh  idir  air 
a  dheanamh  anns  an  linn  so. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


Is  toigh  leam  daonnan  sgriob  a  ghabhail  do'n 
Choille  Bheithe  an  uair  a  thoisicheas  mo 
chuinnlean  air  aileadh  an  earraich  fhaotainn 
anns  a'  ghaoith.  Bha  an  t-earrach  fada  gun 
tighinn  am  bliadhna  ;  ciod  air  bith  a  their  an 
Almanac,  no  na  speuradairean  a  tha  riaghladh 
na  bliadhna  agus  a'  cumail  cunntas  nan  traithean 
agus  na  h-aimsir,  chan  'eil  dreach  no  aileadh 
an  earraich  ri  fhaicinn  no  ri  fhaireachadh  anns 
an  diithaich  so  gus  antig  April, no  glebhitheanta, 
gus  an  tiff  an  dara  seachduin  dheth. 


Ma  tha  sid  mhaith  ann  ann  an  April,  chan 
'eil  mios  anns  a'  bhliadhna  as  aoibhniche  na  e  ; 
tha  e  freagarrach  gur  e  so  an  t-am  de  'n 
bhliadhna  anns  a  bheil  an  eaglais  a'  cumail 
cuimhne  air  aiseirigh  Chriosd,  oir  tha  gach  ni 
anns  a'  chruthachadh  a'  togail  fianuis  anns  an 
earrach  gur  treasa  beatha  no  bas,  agus  as  a' 
bhas  gu  bheil  beatha  iu"  ag  eirigh. 

Sin  aon  de  na  smuaintean  a  thig  gum'inntinn 
daonnan  an  uair  a  shuidheas  mi  anns  a'  Choille 
Bheithe,   affus   a  mheomhraicheas   mi   air  na 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


nithean  a  tha  mi  a'  faicinn  le  mo  shiiil  agus  a' 
cluinntinn  le  mo  chluais,  monmhur  na  beatha  a 
tha  ag  eirigh  o'n  talamh.  Na  cumhachdan  agus 
na  feartan  miorbhuileach  a  tha  aims  a'  chruth- 
achadh  mu'n  cuairt  oirnn  ciod  an  ceann-criche 
no  an  ceann-iiidhe  a  tha  aca  uile  ? 

Tha  sin  duilich  a  radh  ;  is  e  Dia  a  mhairi  as 
uiTainn  ceist  de'n  t-seoi'sa  sin  a  fhreagairt,  agus 
tha  Dia  'n  a  thosd.  Ach  ged  nach  urrainn  mise 
no  duine  eile  diomhaireachd  a'  chruthachaidh 
a  rannsachadh,  no  a  radh  le  cinnt  ciod  a  bha 
anns  an  amhai'C  aig  Dia  an  uair  a  chruthaich 
e  na  niiltean  saoghal  a  tha  siubhal  tre  f  harsuing- 
eachd  neo-chriochnach,  no  ciod  an  ceann-uidhe 
nraidh  a  tha  an  cruthachadh  ag  oibreachadh 
t lunge,  tha  e  soilleii*  gu  leoir  gu  bheil  e  ag 
oibreachadh  a  dh'  ionnsaigh  a'  chijin-uidhe  so 
CO  dhiu,  beatha  a  ghijitinn. 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh. 
Agad-sa  Dhia  nan  did. 

Tha  iomadh  seorsa  beatha  air  thalamh,  o'n 
bheatha  a  tha  anns  a'  chnotal  a  bhitear  a 
sgriobadh  bharr  nan  creag  gus  a'  bheatha  a  tha 
ann  am  mac  an  duine  ;  tha  astar  mor  eadar  ani 
muir-teuchd  agus  eanchainn  Phlato,  ach  ciod 
air  bith  seorsa  no  tomhas  a  tha  innte,  tha 
beatha  miorbhuileach  is  maiseach.  Ma  chumas 
duine  a  shiiilean  agus  inntinn  fosgailte,  agus 
ma  bheachdaicheas  e  air  comharran  na  beatha 
a  tha  briichdadh  a  mach  a  cridhe  na  talmhainn 
chan  urrainn  e  gun  an  f  haireachduinn  a  bhi  aige 
gu  bheil  Dia  dluth  dha,  ged  tha  e  foluichte  o 
shiiilean.     Oir  far  a  bheil  beatha  tha  Dia. 

Tobar  na  beatha  tha  gti  dearbh. 
Agad-sa  Dhia  nan  did. 

Chan  'eil  taobh  an  tionndaidh  duine,  no 
taobh  an  seall  e,  nach  fhaic  e  beatha;  beatha  a 
briichdadh  a  tobar  air  chor-eigin  a  tha  cho  Ian 
's  nach  'eil  eagal  gu'n  traoigh  e.  Bho  chuan  's 
bho  ghlinn  ;  bho  choiltean  's  bho  achaidhean  ; 
bho  'n  fheur  air  a  bheil  thu  a'  coiseachd,  tha 
borbhan  is  cronan  beatha  ag  eirigh  gun  sgur  ; 
coisir-chiiiil  a'  chruthachaidh  anns  a  bheil 
muillean  de  mhuilleanan  guth.  Ged  nach  'eil 
eolas  agam-sa  air  cuileagan  no  biastagan  ach 
an  t-eolas  a  tha  aig  na  paisdean  an  sgoil  Chille- 
sgumain,  tha  fhios  agam  gu  bheil  500,000 
sheorsachan  mheanbh-cbuileag  eadar  so  agus 
Peru.  Na  'n  abrainn  gu  robh  mile  creutair 
beo  ann  an  Ian  meurain  de  uisge,  bu  mhor  an 
t-ionghnadh  sin  fhein,  ach  tha  miltean  is 
miltean  de  chreutairean  beo  ann  an  aon 
bhoinne  uisge.  Anns  a'  h-uile  grainne  de'n 
dus  no  de  'n  stiir  a  tha  a'  ghaoth  a'  togail  air 
sraidean  Ghlaschu  tha  ceud  gu  leth  mile  de 
na  meanbh-chreutairean  ris  anabair  nadotairean 
bacteria. 

Ma  thogas  tu  clach  a  bha  'na  sineadh  air  an 
i'heur  chi  thu  coimhthional  snaigeach  foidhpe 


na's  motha  na  chi  thu  anns  an  eaglais.  Anns 
gach  preas  is  craobh  tha  sruth  na  beatha  ag 
eirigh  mar  gu'm  biodh  sruth  an  lionaidh  aig 
airde  reodhairt.  An  t-eun  a  fhuair  bas  an  de, 
am  maireach  bidh  beatha  iir  a'  tighinn  a  mach 
as,  agus  sin  fo  chumhachd  nach  gabh  bacadh. 
Na  clachan  a  tha  ann  am  ballachan  an  tighe 
agad,  ma  sheallas  tu  orra  le  gloineachan, 
theagamh  gu'm  faic  thu  annta  sligean  anns  an 
robh  creutairean  beo. 

Ann  an  aoraibh  a'  chruthachaidh  tha  iarrtus 
air  beatha  a  ghintinn  ;  lagh  cumhachdach  is 
diomhair  nach  urrainn  e  gun  umhlachd  a  thoirt 
da  ;  lagh  aig  a  bheil  e  mar  cheann-criche  beatha 
is  lanachd  beatha  a  chur  an  aite  bais  is  falamh; 
achd  a'  bhais. 

Theagamh  gur  e  an  t-aobhar  gu  'n  tainig  na 
smuaintean  so  'n  am  inntinn  an  diugh,  gu  robh 
mi  a'  cnuasachadh  air  searmon  a  bha  'n  am 
bheachd  a  thoirt  do  mo  choimhthional  fein  air 
Di-Domhnaich  Casg.  Agus  is  e  an  rud  son- 
raichte  a  bha  'n  am  inntinn,  nach  e  idir  na 
dearbhaidhean  a  gheibhear  anns  a'  Bhiobull  air 
aiseirigh  Chriosd  a  tha  diisgadh  creideamh  is 
dochas  ann  an  cridheachan  dhaoine,  ach 
faireachduinnean  diomhair  a  tha  leum  suas  'n 
ar  cridheachan,  gun  fhios  ciamar  no  cia  as,  an 
uair  a  dh'  fhanas  sinn  samhach,  agus  a  dheoghlas 
ar  poran  a  steach  deoch  de'n  lanachd  beatha  a 
tha  anns  a'  chruthachadh,  no  ma  thoilicheas  tu 
ann  an  Dia. 

Tha  so  air  a  chur  car  tuathal,  agus  theagamh 
gu'n  abair  cuid  nach  'eil  iad  'g  a  thuigsinn,  is 
theagamh  gu'n  abair  cuid  eile  nach  'eil  tiir  no 
ciall  ann,  ach  mur  bheil  tiir  ann  dhuit-sa,  a 
eughadair,  is  e  so  a  tha  e  a'  ciallachadh  dhomh 
fein,  gu'n  do  dhiiisg  feartan  an  earraich  a  dh' 
fhairich  mi  anns  a'  Choille  Bheithe  agus  cridhe 
mor  is  diomhair  na  beatha  a  tha  bualadh  innte, 
gu'n  do  dhiiisg  iad  aoibhneas  is  dearbhachd  'n 
am  chridhe  a  thaobh  na  beatha  shiorruidh  nach 
robh  rianih  air  a  dhlisgadh  ann  leis  an  f  hianuis 
fhollaiseach  is  litireil  a  thatar  an  diiil  a  tha 
dearbhadh  gu'n  d'  eirich  Criosd  o  na  marbhaibh. 

A  thuilleadh  air  sin,  tha  amharus  agam  nach 
'eil  cumhachd  air  bith  aig  comharran  litireil  is 
follaiseach  air  creideamh  a  dhiisgadh  ann  an 
cridhe  mhic  an  duine,  comharran  mar  bha  an 
uaigh  f  halamh,  an  neapaicinn  a  bha  air  f  hilleadh 
anns  an  uaigh,  an  seanchas  a  bha  eadar  Criosd 
agus  Muire  air  maduinn  na  h-aiseirigh,  agus 
rudan  eile  mar  sin.  Chan  ann  mar  sin  a  tha 
creideamh  is  dochas  a'  diisgadh  ;  tha  nithean 
spioradail  air  an  tuigsinn  air  mhodh  spioradail  ; 
chan  e  dearbhaidhean  mar  tha  larach  nan 
tairngean  an  lamhan  Chriosd,  no  an  uaigh 
fhalamh,  a  tha  toirt  cinnt  d'a  shluagh  gu'n 
d'  eirich  e,  ach  an  fhianuis  a  tha  aca  'n  an 
cridhe  fein  gu  bheil  e  dluth  dhaibh,  agus  gu 
bheil  iad  a'  tarruing  beatha  le  aoibhneas  a 
lanachd  a  bheatha-san. 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE -LITRICHE AN  SPURGEON 


Cha  riaraicheadh  an  fhianuis  a  gheibhear 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  mu  aiseirigh  Chriosd, 
cha  riaraicheadh  i  Siorram  no  cuirt-lagha  ; 
bheireadh  iad  air  na  fianuisean  dol  an  aghaidh 
a  cheile.  Ach  ciod  uime  sin  ?  Cha  dearbhadh 
sin  gu  robh  na  h-abstoil  cearr,  agus  nach  d' 
eirich  Criosd  ;  cha  dearbhadh  idir,  agus  a 
thuilleadh  air  sin,  chan  ann  o  dhearbhaidhean 
htireil  no  o  chomharran  follaiseach  a  tha 
dearbhachd  spioradail  ag  eirigh  anns  an  anam, 
ach  air  mhodh  eile  uile  gu  leir.  Tha  dearbhachd 
spioradail  a'  tighinn  an  cridhe  duine  ann  am 
fichead  doigh  nach  urrainn  e  fein  innseadh  no 
thuigsinn,  oir  tha  creideamh,  is  dochas,  is 
aoibhneas,  coltach  ris  a'  ghaoith  a  sheideas 
far  an  aill  leatha  ;  tha  iad  ag  eirigh  anns  a' 
chridhe  theaganih  aig  amannan  nach  robh  diiil 
riu,  agus  air  an  diisgadh  ann  le  nithean  nach 
gabhadh  cur  sios  an  ordugh  air  paipear  ; 
cagarstaich  dhiomhair  an  spioraid  Naoimh,  is 
feartan  diomhair  a'  chruthachaidh  as  a  bheil 
sinn  a'  tai-ruing  ar  beatha,  is  nithean  eile  mar 
sin  nach  'eil  e  furasda  a  chur  an  cainnt. 

Ged  sheasadh  a'  h-uile  Siorram  agus  fear- 
lagha  air  an  t-saoghal  air  aon  chnoc,  agus  ged 
ghlaodhadh  iad  le  aon  ghuth  gu'n  do  rannsaich 
iad  mu  aiseirigh  Chriosd,  agus  gur  e  an  co- 
dhunadh  a  thainig  iad  thuige  nach  robh  an  rud 
air  a  dhearhhadh,  saoil  thu  an  cuireadh  sin  stad 
air  soisgeul  na  h-aiseirigh  a  bhi  air  a  shear- 
monachadh,  agus  dochas  na  beatha  mairean- 
naich  a  bhi  air  altrum  ?  Cha  chuireadh  idir, 
oir  sheasadh  a'  h-uile  creidmheach  air  an  t- 
saoghal  air  cnoc  eile,  is  ghlaodhadh  iad  le  aon 
ghuth,  Dh'  eirich  e,  is  chimnaic  sinn  e,  is  bidh  e 
maille  ruinn  gu  deireadh  an  t-saoghail.  Agus 
anns  na  nithean  a  bhuineas  do  'n  t-saoghal 
spioradail  agus  do'n  bheatha  spioradail  b' 
fhearr  learn  a  bhi  air  taobh  nan  creidmheach 
agus  nan  naomh  na  bhi  air  taobh  an  luchd-lagha. 

Na'n     robh     deasbud     follaiseach     ann     an 


lerusalem  air  la  na  Caingis  eadar  Peadar  agus 
Pol  air  a'  cheist.  An  d'  eirich  Criosd,  tha  amharus 
agam  nach  biodh  seasamh-chas  aig  Peadar, 
agus  gu'n  cuireadh  laghaireachd  Phoil  gu 
h-amhluadh  e.  Ach  chan  ann  le  laghaireachd 
no  le  argumaid  a  tha  nithean  spioradail  air  am 
faireachadh,  no  air  an  tuigsinn,  no  air  an 
deai'bhadh,  agus  bhiodh  an  luchd-eisdeachd  aig 
deireadh  an  deasbuid  far  an  robh  iad  an  uair 
a  thoisich  e. 

Cha  robh  cumhachd  air  bith,  a  reir  choslais, 
aig  an  uaigh  fhalamh,no  aig comharran  eile  de'n 
t-seorsa  sin,  air  inntinn  Phoil ;  ach  beagan  an 
deidh  laimhe,  thachair  ni-eigin  'n  a  bheatha 
fein  a  thug  a  steach  do  shaoghal  iir  e,  agus  a' 
cheart  mhionaid  a  chaidh  e  steach  do  'n  t-saoghal 
sin,  bha  a  shuilean  air  am  fosgladh  is  chunnaie  e. 
Chunnaic  e  Criosd,  is  bha  e  cinnteach  nach  robh 
e  marbh.  Bha  e  cho  cinnteach  's  nach  d'  iarr 
e  comhairle  no  dearbhadh  tuilleadh  o  fhuil  no 
o  fheoil  ;  chaidh  e  mach  is  shearmonaich  e 
aiseirigh  Chriosd  is  dochas  na  beatha  mairean- 
naich. 

O'n  aite  anns  a  bheil  mi  'n  am  shuidhe  tha 
sealladh  farsuinn  agam  air  diithaich  cho  mais- 
each  's  a  tha  an  Albainn  ;  beanntan  air  a  bheil 
a  choslas  gu  bheil  iad  buan-mhaireannach,  agus 
nach  caraich  iad  gu  brath  ;  ach  is  e  an  f hirinn 
nach  mair  dad  de  na  tha  mi  a'  faicinn  le  mo 
shiiil,  gu  brath.  Theid  Beinn-a-ghl6  fhem,  ged 
is  seasmhach  laidir  a  bunaitean  an  diugh,  theid 
i  'n  a  smiir  agus  na  dus  is  bidh  a  dus  air  a 
ghiulan  air  sgiathaibh  na'  gaoithe,  agus  air  a 
shaltairt  le  casan  dhaoine.  Tha  na  nithean  a 
tha  faicsinneach  aimsireil ;  cha  mhair  iad  ach 
iiine,  co  dhiu  a  bhios  an  iiine  sin  fada  no  goirid. 
Is  e  na  nithean  nach  f  haicear  leis  an  t-siiil  a  tha 
siorruidh,  Dia  agus  a  bheatha  a  tha  sruthadh 
uaith. 

Tobar  na  beatha  tha  gu  dearbh. 
Agad-sa  Dhia  nan  did. 


Litfichean  Spurgeon 

Mur  dean  e  la  a  bhuain  a'  choirce 
Ni  e  la  a  bhuain  nan  cnb. 


BHA  diiil  agam-sa  an  raoir  gu'm  bithinn  an 
diugh  air  cheann  mo  ghnothuich  ann  an 
ceann  eile  na  sgireachd,  ach  tha  la  ann  nach 
tainig  na's  miosa  am  bliadhna  ;  la  cho  mosach  's 
nach  bu  lugha  na'n  eigin  a  bheireadh  orm  dol 
do  Ghleann  Garaidh.  Sin  an  t-aobhar,  gu  bheil 
mi  'n  am  shuidhe  gu  socruch  aig  an  teine,  a' 
leughadh  litrichean  Spurgeon,  agus  o'n  a  tha 
iad  'n  am  laimh  co-dhiu,  cuiridh  mi  sios  cuid 
dhiubh  air  an  duilleig  so.  Bidh  buannachd 
dhiibailte  ann  dhomh  sin  a  dheanamh  ;  (1) 
bidh  e  'na  dheagh  lethsgeul  dhomh  air  son  an 
tigh  a  chumail,  agus  (2)  bheir  e  cothrom  dhomh 
cnothan  anns  a'   bheil  biadh  a  thairgsinn  do 


luchd-leughaidh  an  leabhair  so,  rud  nach  bi  iad 
a'  faotainn  daonnan  bhuam  fhein  no  o  dhaoine 
eile  a  bhios  a'  sgriobhadh  ann. 

Theab  mi  a  radh  an  leabhar  dearg,  ach  ged 
bha  e  dearg  aon  uair,  agus  ged  bu  chaomh  le 
mo  shuil  an  dath  sin,  tha  e  nis  odhar  x  buidhe  x 
lachdunn,  agus  cha  chaomh  le  mo  shtiil  e  idir. 
Ach  theagamh  gu  bheil  an  dath  iir  a'  cordadh 
ri  daoine  eile  ;  ma  tha,  cuiridh  mise  suas  leis, 
ged  nach  toigh  leam  dath  odhar  air  each,  no 
air  leabhar,  no  air  duine,  no  gu  sonraichte  air 
gnuis  mnatha. 

Dh'  fhaodadh  na  daoine  a  bhiodh  a'  faotainn 
litrichean  Spurgeon  a   bhi   'n    a  chomain   air 


LITRICHEAN   SPURGEON 


son  aon  ni  co  dhiu  —  bha  iad  furasda  an 
leughadh.  Bha  lamh-sgriobhaidh  anabarrach 
maith  aige,  agus  cha  do  leig  e  ruith  le  laimh 
eadhon  anns  na  bliadhnachan  a  bha  moran 
sgriobhaidh  aige  'g  a  dheanamh.  Chan  'eil  e 
siobhalta  do  dhuine  litir  a  chur  gu  duine  eile 
a  tha  duihch  a  leughadh.  Ach  is  trie  a  tha  sin 
ail'  a  dheanannh.  Ciod  air  bith  a  their  thusa, 
a  leughadair,  chan  urrainn  mise  gun  droch 
bharail  a  ghabhail  'n  am  inntinn  fein  air  duine 
a  sgriobhas  ainin  aig  bonn  litreach  cho  cam, 
spagach,  neo-shoilleir,  's  nach  'eil  e  furasda 
dhomh  a  dheanamh  a  mach  co  e. 

Gus  an  do  thog  mi  an  leabhar  so  an  diugh 
cha  I'obh  cuimhne  agam  gu'n  do  chaochail 
Spurgeon  cho  bg  ;  cha  rotih  e  ach  seachd  deug 
is  da  fhichead  bliadhna  an  uair  a  shiubhail  e. 
Ach  bha  e  os  cionn  da  fhichead  bliadhna  anns 
a'  mhinistrealachd,  is  liubhair  e  barrachd 
shearmon  air  duine  eile  de'n  ghineil  ud. 

Cha  robh  e  seachd  bliadhna  deug  a  mach 
an  uair  a  thoisich  e  air  searmonachadh,  agus 
o'n  cheud  la  a  thoisich  e,  tharruing  e  aire 
dhaoine  is  dh'  eisd  a'  mhor-chuideachd  ris  le 
toileaehas. 

Anns  na  litrichean  a  sgriobh  e  ann  an 
laithean  oige  tha  mi  ag  ionndrainn  aon  ni,  an 
t-abhacas  agus  a'  gheiread  agus  an  gliocas  a 
bha  'n  a  bhriathran  an  uair  a  bha  e  aig  airde  a 
bhuadhan.  Ach  anns  na  laithean  ud  bha  e 
'g  a  uUachadh  fein  air  son  a  dhreuchd,  agus 
a'  gluasad  gu  failidh  mar  neach  a  bha  cudthrom 
an  t-saoghail  air  a  ghuaillean.  Dh'  abuich 
inntinn  Spurgeon  anabarrach  trath  ;  bha  seana 
cheann  air  na  guaillean  oga,  agus  a  thaobh 
fiosrachadh  spioradail  rainig  e  ire  aig  fichead 
bliadhna  nach  ruig  daoine  eile  gus  am  bi  an 
ceann  liath.  So  te  de  na  litrichean  a  sgriobh 
e  gu  athair  'n  a  shia  bliadhna  deug. 

An  dara  la  deug  de'n  Mhart,  1850. 
Athair  ghaolaich, 

Moran  taing  dhuibh  air  son  'ur  litreach ; 
thoiribh  mo  hheamiachd  agus  mo  ghaol  do  vio 
mhathair. 

Aig  a'  choinneamh  mu  dheireadh  a  bha  aig  na 
braithrean  bha  m  ainm  air  a  chur  air  am  beulaibh 
gus  a  bhi  air  mo  ghabhail  a  steach  do'n  eaglais  mar 
bhall.  Tha  mi  an  dbchas  gu'm  bi  mi  a  nis  na's 
J'aiceallaiche  na  bha  mi  riamh,  agus  na's  trice  air 
mo  ghluinean  ag  iirtmigh.  Ciamar  a  b'  urrainn 
Criosduidh  a  bhi  sona  mur  biodh  dearbhachd  aige 
gur  e  Criosd  a  bheatha,  agus  gun  ciim  an  Tigh- 
earna  suas  e.  Cha  ghabhainn-sa  an  ceum  so  air 
son  an  t-saoghail  mur  biodh  fhios  agam  gu  bheil 
Buackaille  Israeil  'g  am  dJiion  agus  'g  am  ghleidh- 
eadh  a  ghnath.  Tha  iirnuigh  dhomh  a  nis  mar 
bha  cloch  mo  mhathar  dhomh  'n  am  leanabh. 
Ged  nach  'eil  an  aon  chail  agam  do  iirnuigh 
daonnan  tha  fhios  agam  nach  tig  mi  bed  as  eugmh- 
ais  a  bhi  'g   iirnuigh.     Theid  aig  duine  air  dol 


seachad  air  Slochd  an  Eu-dbchais  fein  le  lorg  na 
h-iirnuigh  agus  le  creideamh.  Afi  uair  a  b'lsle 
mo  chreideamh,  bhbidich  mi  gii'?t  tugainn  mo 
ghradh  uile  do  Chriosd,  ged  nach  biodh  ao7i  ghath 
soluis  agam  agus  ged  nach  biodh  aon  chomh- 
fhurtachd  spioradail  aig  m  anam  ;  seadh  ged  a 
bhithinn  air  mo  chall  gti  siorruidh,  bhbidich  mi 
gu'71  gradhaichinn  esan  agus  gum  feuchainn  r'a 
aitheantan  a  choimhead. 

Bha  da  mhac  aig  Spurgeon  ;  is  ann  tliuca- 
san  a  bha  cuid  de  na  litrichean  as  blaithe  agus 
is  caomhaile  anns  an  leabhar  air  an  sgriobhadh. 
Bha  an  dithis  a'  searmonachadh  an  t-soisgeil, 
rud  a  thug  solas  mor  do  chridhe  an  athar. 
Anns  na  comhairlean  a  thug  e  orra  chithear 
am  meas  a  bha  aige  air  eolas  agus  air  dian- 
shaothair  ann  an  dreuchd  na  ministrealachd. 
Bha  grain  eagallach  aige  air  leisg  agus  air 
daoine  leasg  ;  bha  e  fhein  ag  obair  gun  sgur 
is  chan  'eil  teagamh  nach  e  meud  a  shaothrach 
agus  aireamh  neo-chuimseach  nan  uairean  a 
bha  e  ag  obair  a  bhris  a  shlainte.  Theagamh 
gu'n  cuala  mi  e  roimhe  ach  cha  robh  cuimhne 
agam  air  gus  an  do  leugh  mi  a  litrichean  gu 
robh  slainte  Spurgeon  cho  dona  an  deireadh  a 
bheatha,  agus  gu'm  biodh  e  a'  dol  cho  trie  do 
cheann  a  deas  na  Frainge  a  ghabhail  fois. 

Chan  e  aon  litir  a  tha  anns  na  leanas  ;  tha  e 
air  a  tharruing  a  leth-dusan  no  an  corr  de  na 
litrichean  a  sgriobh  e  gu  Tearlach  agus  gu 
Tomas,  a  mhic. 

Fag  nithean  leanabail  as  do  dheidh  agus  cuir 
art  t'  armachd  a  dheanamh  obair  duine  anns  an 
t-saoghail.  Mar  is  deine  a  dh'  oibiicheas  tu  'n  ad 
bige  is  ann  as  lugha  a  bhios  agad  ri  dheanamh 
suas  an  deidh  laimhe  ;  ciod  air  bith  a  bhios  tu  ris 
cuir  t'  uile  chridhe  agus  t'  uile  neart  ann.  Leugh 
oibrichean  nan  diadhairean  ann  an  laithean  t'  bige 
agus  lean  air  an  leughadh.  Gu  sbnraichte  leugh 
oibrichean  Matthew  Henry  m'  am  pbs  thu,  oir 
bhiodh  eagal  orm  mur  dean  thu  e  ?n'am  pbs  thu, 
gu'n  teid  Jacob  foidhe.  Tha  eblas  feiimail  anns  a' 
mhinistrealachd  ;  theid  aig  duine  air  searmonach- 
adh gun  eblas,  ach  cha  bhi  a  shearmonachadh  cho 
maith  's  a  bhitheadh  e  na'n  robh  eblas  aige.  An 
uair  a  bhios  duine  bliadhnachan  ann  an  obair  na 
ministrealachd  bidh  aithreachas  air  nach  d'  ullaich 
e  e  fein  na  b'  fhearr  air  a  son.  Nach  e  Dia  a 
chuir  an  t-urram  orm-sa,  dithis  mhac  a  thoirt 
dhomh  a  tha  searmonachadh  an  t-soisgeil  le 
cumhachd.     Tha  mo  chupan  Ian. 

An  uair  a  bhios  dui?ie  a'  dol  0  aite  gu  aite 
tachraidh  daoine  nebiiach  air,  daoine  nach 
fhearr  na  gobhar  no  asail.  Thachair  iomadh 
gobhar  is  asail  orm-sa  re  mo  chuairt  air  thalamh, 
ach  thug  bean-uasal  a  thachair  orm  an  Saji  Remo 
barr  air  uile  mhnathan  an  domhain  a  thaobh 
glaoicealachd.  Thuirt  i  gu'm  bu  duilich  an  rud  e 
gur  e  ludhach  a  bha  anns   an  Tighearna  losa  ! 


8 


LiTRICHEAN  SPURGEON— AN  T-OLLAMH  SEORAS  MAC  AOIDH 


An  uair  a  dh'  fhebraich  mi  dhith  am  h'  fhearr 
leatha  e  bhi  'n  a  Shasunnach,  thuirt  i  nach  e  sin  a 
bha  i  a  ciallachadh  idir,  ach  gum  bu  mhor  an 
diobhail  e  bhi  'n  a  ludhach  ;  gti'm  biodh  a'  chilis 
moran  na  b'  fhearr  nan  robh  e  n  a  Chriosduidh, 
coltach  ruimi  fein. 

Aig  am  sonraichte  d'a  bheatha  bha  moran 
dhaoine  amis  an  duthaich  so  leis  nach  bu  toil 
na  doighean  a  bha  aig  Spurgeon  ;  bha  iad  an 
diiil  gu'm  biodli  e  ag  radh  agus  a'  deanamh 
rudan  neonach  air  ghaol  aire  an  t-sluaigh  a 
tharruing  thuige  fein.  Sin  an  t-aobhar  gu 
robh  gu  leoir  de  dhaoine  diadhaidh  an  Albainn 
agus  an  Sasunn  nach  rachadh  'g  a  eisdeachd, 
agus  gu'n  robh  a  naimhdean  agus  na  paipearan- 
naigheachd  a'  cur  sios  air  gu  laidir  agus  gu 
nimheil.  Bho  chuid  de  na  htrichean  so  tha  mi 
a'  faicinn  gu  robh  e  ceart  coma  ged  chaineadh 
an  saoghal  e  ;  a  dh'  innseadh  na  firinn  bha  e 
toihchte  na  paipearan-naigheachd  a  bhi  cur 
sios  air,  oir  mar  bu  mho  a  chaineadh  iad  e  is 
ann  a  b'  fhaide  agus  a  b'  fharsuinge  a  bha 
ainm  a'  dol. 


Fad  bhliadhnachan  bha  na  paipearan-naigh- 
eachd 'g  am  bhreabadh,  ach  a  7iis  tha  iad  a' 
tolseachadh  air  m'  imlich  ;  ach  tha  am  breabadh 
a  cheart  cho  mhaith  learn  ris  an  imlich,  cho  fhad 
's  a  lionas  iad  an  talla  amis  a  bheil  mi  a'  sear- 
monachadh.  Tha  mi  an  diiil  amis  na  laithea?i  so 
gun  lionainn  an  talla  ged  shearmonaichinn  air  a' 
mheadhon-oidhche,  agus  ged  bhiodh  ciir  sneachd 
ann.  Ciod  air  bith  aite  an  teid  mi  tha  na  7mltea?i 
'g  am  leantuimi  ;  tha  an  sluagh  cho  diimhail  's  gur 
gann  is  urrainn  dhaibh  an  anail  a  tharruing,  is  tha 
a  leitkid  de  phutadh  ann  a  dh'  fhaotainn  a  steach 
's  ?iach  urrainn  boirionnaich  dol  ann  gun  an 
aodach  a  bhi  air  a  shrachdadh,  agus  gun  chunnart 
dol  an  ceangal.  Tha  so  a'  cur  a'  chuthaich  air  na 
ministearan  sin  a  rinn  duine  is  chan  e  Dia  ;  tha 
an  Diabhol  a'  beucaich  agus  a'  burralaich  le  feirg, 
ach  tha  obair  an  2\ghear?ia  a'  dol  air  aghaidh  is 
anamanna  'g  an  tear?iadh.  Nach  beag  tiiir  a  tha 
amis  an  Diabhol  !  nan  do  leig  e  mo  shiubhal 
learn  cha  bhiodh  uiread  anamanna  luachmhor  air 
an  toirt  as  a  laimh,  ach  an  uair  a  thbisich  e  air  mo 
chaineadh  thug  e  dhomh  mo  chothrom. 


An  t-OUamh  Seoras  Mac  Aoidh 


GHAIRM  an  teachdaire  dana  an  t-Ollamh 
Seoras  Mac  Aoidh,  ministear  sgire  Chill- 
fhinn,  do  'n  dachaidh  bhuan  air  an  ochdamh  la 
deug  de  'n  Mhart.  Cha  bu  sheann  duine  e,  ged 
a  shaothraich  e  tri  agus  da  fhichead  bliadhna 
ann  an  Cill-f  hinn.  'Na  cheithir  bliadhna  deug, 
agus  gun  ann  ach  am  balachan  maoth,  thoisich 
oilean  ann  an  oil-thigh  Chill-ribhinn.  Is  trie  a 
dh'  innis  e  dhomh-sa  cho  beag  agus  a  bha  'eolas 
air  Laidionn  agus  Greigis,  ach  bha  e  cho  dileas, 
dichioUach  s  gu'n  do  ghabh  e  aite  gle  thrath 
am  measg  nan  oileanach  a  b'  fhearr  anns  an 
oil-thigh. 

Cha  robh  iiine  no  cothron  aige  airson  cluich* 
chaman  no  bhall,  agus  tha  amharus  agam  gu'n 
do  sharuich  e  a  chom  an  uair  a  bha  e  a'  neart- 
achadh  inntinn. 

An  deidh  bliadhna  no  dha  mar  fhear-cuid- 
eachaidh  ann  an  lonar-nis  agus  anns  a' 
Mhanchainn  ghaii'm  coimhthional  Chill-f  hinn  e 
mar  mhinistear.  Cha  b'  aithne  dhomh  ach  aon 
mhinistear  eile  a  chaidh  air  ceann  coimhthionail 
cho  6g  ris,  agus  be  sin  DomhnuU  Mac  Pharlain 
nach  maireann,  a  chaidh  do  'n  Mhorairne  na 
thri  bliadhna  fichead.  Bha  an  sgire  farsuinn 
agus  bha  an  obair  trom,  ach  fois  no  tamh  cha 
d'  iarr  Seoras  Mac  Aoidh. 

Gun  dearmad  air  dleasdanas  'n  a  fhion-lios 
fein,  ghabh  e  os  laimh  moran  obair  ann  an 
ctiirtean  na  h-eaglais.  Aig  ceann-suidhe  na 
cleir  cha  robh  e  air  ionndrainn,  agus  cha 
chuimhne  leam  coinneamh  Synod  no  Ard- 
sheanadh  aig  nach  robh  e  an  lathair.    Thogadh 


e  a  gliuth  gu  gleusda  anns  gach  cuideachd. 
Bha  e  a'  creidsinn  gu  mor  ann  am  buaidh 
bhriathran,  agus  cha  do  sgithich  e  riamh  de 
thagar  nan  cuisean  agus  nan  ceistean  a  bha, 
'na  bheachd-san,  a'  beantainn  gu  dliith  ri  maith 
na  h-eaglais  agus  na  duthcha. 

Bu  toil  leis  eaglais  mhaiseach  air  son  aoraidli, 
agus  bu  mhaith  leis  gu'm  biodh  ordugh, 
riaghailt,  agus  dreach,  mu  sheirbhis  na  h-eaglais. 
Is  e  sin  a  thug  air  a  bhi  tagar  cho  diirachdach 
gu'm  biodh  leabhar-seirbhis  ann  an  Gaidhlig, 
agus  leabhar  laoidhean,  air  an  cur  a  mach  fo 
tighdarras  na  h-eaglais. 

Ged  a  thug  e  a'  cheud  ghradh  agus  a  ghradh 
maireannach  do  obair  an  Tighearna,  bha  gaol 
mor  aige  air  ceol  agus  canain  a  mhuinntir,  agus 
mar  cheannard  a'  Chomuinn.  Ghaidhealaich 
thainig  e  mu  choinneanih  an  t-sluaigh  mar 
neach  a  ghradhaich  a  luchd-diithct^  gu  mor. 

Bu  liomnhor  a  chairdean,  agus  namhaid  cha 
robh  idir  aige.  Bha  e  coibhneil  agus  bha  e 
fialaidh.  An  am  a'  chogaidh,  an  uair  a  thuit 
duals  shaibhir  air  ministeirean  sgireachd,  agus 
a  bha  moran  de  mhinisteirean  sgirean  quod 
sacra  air  an  teannachadh  le  goinne,  thug  e  ann 
an  aon  bhliadhna  sia  fichead  punnd  sasnnnach 
a  dheanadh  cobhair  orra. 

Ann  am  bas  Sheorais  Mhic  Aoidh  chaill  ai 
eaglais   seirbhiseach   dileas,  a  Ghaidhealtaoh( 
deagh  charaid,  agus  a  luchd-eolais  compan.  ' 
caomh  blath-chridheach. 

COLLA    D6mHNULLA<H, 

Sgire  an  Lagain. 


I 


Air  6 


93 


Am  Phairiseach  agus  an  Cis-mhaor 


Lucas  xviii,  9-14 


THA  againn  amis  a'  chosmhalachd  so  leasan 
eile  air  nadur  na  h-urnuigh,  gu  h-araidh  air 
an  spiorad  anns  an  coir  urnuigh  a  dheanamh, 
eadhonspioradnah-irioslachd,eadar-dhealaichte 
bho  spiorad  na  fein-fhireantachd  agus  anardain. 
Agus  a  risj  is  e  nadur  deilbhe  a  tha  againn, 
dealbh  dithis  luchd-aoraidh  a  sheasadh,  chan  e 
nihain  air  son  luchd-aoraidh  ri  hnn  an  t-Slan- 
uighir,  ach  air  son  luchd-aoraidh  an  la  an  diugh. 
Tha  an  dithis  f  hathast  anns  a'  h-uile  coimh- 
thional,  agus  faodaidh  tu  am  faicinn  la  sam 
bith  anns  an  eaglais.  'S  ann  aig  aoradh  foUaise- 
ach  an  teampuill  a  nochd  an  dithis  a'  ghne  de'n 
robh  iad.  'S  ann  timchioll  air  dleasdanasan 
coitchionn  a  tha  daoine  gu  bitheanta  'g  an 
nochdadh  fhein — 's  ann  aig  na  h-uairean  sin  a 
gheibhear  agus  a  chithear  iad  nrar  a  tha  iad  da- 
rkeadh.  Cha  b'ann  gun  aobhar  a  thagh  an 
Tighearna  an  dithis,  fear  a  measg  nam  Phairi- 
seach agus  am  fear  eile  a  measg  nan  cis-mhaor. 
Bha  na  Phairisich  diadhaidh  o  'n  leth  a  muigh, 
urramach  agus  cliuiteach  'n  am  barail  fein,  agus 
am  barail  dhaoine  eile ;  "  daoine  maithe  "  an 
la  ud,  crabhach,  beusach,  pongail.  Chan  'eil 
teagamh  nach  robh  na  thuirt  am  Phairiseach 
fior  gu  leor  o'n  leth  a  muigh.  B'e  am  peacadh 
an  uabhar,  gu'n  robh  iad  "  ag  earbsadh  asda 
fein  gu'n  robh  iad  'n  am  fireanaibh,  agus  a' 
deanamh  tair  air  dream  eile." 

Air  an  laimh  eile  bhuineadh  an  cis-mhaor 
d'an  dream  a  bha  mi-bheusach  agus  mi- 
chiiramach  agus  mi-chliiiiteach.  Theagamh  a 
ris  gu'n  robh  cliii  an  duine  so  air  fhein  ceart  gu 
leor,  eadhon  o'n  leth  a  muigh.  Ach  's  ann  a 
bha  an  dealachadh  mor  eatorra  ann  an  spiorad 
na  dithisj — aig  an  Phairiseach  bha  spiorad  an 
uabhair,  aig  a'  chis-mhaor spiorad nah-irioslachd. 
Tha  an  dealachadh  so  air  a  thaisbeanadh  eadhon 
'n  an  gi  .dan.  Tha  doigh-seasaimh  an  Phairisich 
a'  cordadh  ri  seasamh  uaibhreach  an  spioraid. 
Tha  e  a'  gabhail  aite  mar  aite  a  bhuineas  dhasan 
gun  amharus  mar  dhuine  eadar-dhealaichte  bho 
chach,  duine  leis  fhein,  aig  a  bheil  Ian  choir  air 
an  aite  mar  a  tha  e  air  a  chur  anns  a'  Ghaidhlig, 
"  Sheas  am  Phairiseach  leis  fhein."  Air  an 
laimh  eile  tha  an  cis-mhaor  'g  a  ghitilan  fhein 
mar  neach  a  tha  'g  a  f haotainn  fhein  ann  an  aite 
ris  nach  'eil  e  cleachta,agus  air  nach 'eil  e  airidh, 
agus  a  tha  amharusach  m'  a  choir  a  bhi  idir  ann. 
'  Ach  's  ann  an  iirnuighean  na  dithis  a  chitear  an 
t-eadar-dhealachadh  spioraid  a  tha  eatorra. 
Tha  an  dealachadh  ri  f  haicinn  ann  an  cruth  nan 
iirnuighean.     Tha  urnuigh  an  Phakisich  ordail, 


suidhichte,  pongail.  Tha  iirnuigh  a'  chis-mhaoir 
'n  a  sgread  na  h-eigin,  mar  o  dhuine  ann  an 
cunnart  bathaidh.  Beachdaicheamaid  orra  le 
cheile. 

I.  Urnuigh  an  Pliairisich 

'S  e  a'  cheud  ni  a  chi  sinn  anns  an  urnuigh  so, 
nach  'eil  ni  de  mhothachadh  peacaidh  innte. 
Chan  f  haigh  thu  guth  an  aidich  idir  an  so,  agus 
sin  do  bhrigh  nach  'eil  mothachadh  peacaidh 
ann.     An  uair  a  dh'fhaighnicheas  sinn  so  chi 
sinn  da  ni  ;   an  toiseach  gu  bheil  fireantachd  an 
duine  so  a'  co-sheasamh  ann  an  nithean  nach 
robh  e — cha  robh  e  'n  a  f  hear  for-eigin,  eucorach 
adhaltranach,  no   eadhon  mar  an  cis-mhaor  ; 
agus  'san  dara  aite,  gu'n  robh  i  co-sheasamh,  cho 
fada  's  a  bha  i  deanadach,  ann  an  nithean  o'n 
leth   a  muigh — a'  trasgadh   agus   a'  toirt  na 
deachamh.     A  thaobh  nan  deanadasan  o  dhei- 
readh  so  tha  aige,  chan  e  mhain  guth  an  fhein- 
riarachaidh,  ach  guth  na  comain,  mar  gu'n  robh 
Dia  fo  f  hiachaibh  d'a  leithid  de  dhuine  's  a  bha 
esan  ann — duine  bha  deanamh  eadhon  barrachd 
na  bha  dh'  fhiachaibh  air.     Chi  sibh  cho  faoin, 
aotrom,  ao-domhain  'sa  tha  beachdan  an  duine 
so  air  lagh  Dhe  agus  a  naomhachd,  agus  mar  sin 
cho  faoin,  aotrom,  ao-domhain,  's  a  bha  a  bheach- 
dan  a  thaobh  a'  pheacaidh,  ag  aobharachadh 
dha    nach    robh     mar    sin    aige    mothachadh 
ceart,  ma  bha  mothachadh  idir  aige,  air  peacadh. 
Bha  f  hireantachd  a'  co-sheasamh  ann  an  nithean 
o'n  leth  a  muigh,  air  dha  a  bhi  call  seallaidh  gu 
buileach  air  spioradalachd  lagh  Dhe  agus  air 
an  f  hireantachd  a  bha  esan  ag  agairt.     Cho  tur 
eadar-dhealaichte  's  a  tha  urnuigh  an  duine  so 
bho  urnuigh  agus  aideachadh  Dhaibhidh  anns 
an    aona    Salm    deug    thar    an    da    fhichead ! 
Dh'fhagadh  an  t-salm  sin  leis  aig  a'  chis-mhaor 
bhochd.      Bhuineadh    an    t-Abstol    Pol    do'n 
dream  so  uair  d'an  robh  e  ;  bha  e  'n  a  Phairi- 
seach mor  ;    bha  e  beo  as  eugmhais  an  lagha 
uair-eigin  direach  mar  a  bha  am  fear  so  anns 
a'  chosmhalachd.     Ach    dh'iompaicheadh    am 
Phairiseach  mor  gu  bhi  'n  a  chis-mhaor — "  air 
teachd     do'n     aithne     dh'ath-bheothaich     am 
peacadh  agus  fhuair  mise  bas  "  ars'  esan,  Rom. 
vii.  9. 

'S  e  an  dara  ni  a  tha  sinn  ag  ionndrainn  as  an 
iirnuigh,  mothachadh  dha-rireamh  air  Dia.  So 
fior  fhreumh  cion  mothachaidh  air  peacadh. 
Gabhamaid  an  t-salm  a'  dh'ainmich  sinn  a 
cheana  agus  gheibh  sinn  innte  taobh  ri  taobh 
mothachadh  air  peacadh  agus  mothachadh  air 


2 


AM  PHAIRISEACH  AGUS  AN  CIS-MHAOR 


Dia — tha  ceangal  do-sheachainte  aca  r'a  cheile. 
Tha  mothachadh  air  Dia  anns  an  t-salm  sin 
donihain,  baithteach  mar  thonnan  na  fairge  a' 
dol  thairis  air  an  anam,  agus  mar  sin  tha  am 
mothachadh  air  peacadh  domhain,  trom.  Is  e 
mothachadh  air  Dia  a  tha  dhith  air  an  duine 
araon  'n  a  naomhachd  agus  'n  a  throcair,  agus 
tha  urnuigh  an  Phairisich  a  dh'easbhuidh  an  da 
chuid — chan  'eil  innte  mothachadh  air  naomh- 
achd Dhe  no  faireachadh  feum  air  a  throcair. 
Chan  'eil  Dia  idir  anns  an  iirnuigh  so,  oir  tha  dia 
eile  aige  seach  Dia  na  naomhachd  agus  na 
trocair,  eadhon  an  duine  e  fein — an  dia  MI- 
FHEIN. 

Mur  faigh  sinn  anns  an  iirnuigh  mor  mhoth- 
achadh,  no  mothachadh  idir  air  Dia,  gheibh 
sinn  gu  leor  innte  de  mhothachadh  air  an  duine 
agus  an  dia  MI-FHEIN.  Gheibh  sinn  an  duine 
so,  no  's  e  b'aill  leinn  a  radh  an  dia  so,  air  ain- 
meachadh  coig  uairean  "  tha  mi  a'  toirt  buidh- 
eachais  "; — •"  'chan 'eilmimar dhaoine eile,"  "  tha 
mi  a'  trasgadh,"  "  thami  a'  toirt  deachaimh," 
"  thami  a'  sealbhachadh."  'Se  so  suim  agus  brigh 
uabhair  an  duine  so,  mar  a  tha  an  Slanuighear 
'g  achur,  "  gu'n  robh  an  dream  so  ag  earbsa  asda 
fein."  Bha  acarsaid  an  duine  so  ann  fhein  's 
cha  b'ann  an  trocair  Dhe.  Bha  moit  air  da 
thaobh  fein  air  son  a  dhiadhachd,  a  bheusa- 
lachd,  eud,  agus  f  hialaidheachd,  agus  a  chixram 
do'n  teampull,  agus  do  dh'orduighean  eaglais 
Dhe,  agus  bha  e  de'n  bheachd  gu'm  bu  choir 
moit  a  bhi  air  an  Tighearna  fhein,  do  bhrigh  a 
leithid  a  dh'fhear-aoraidh  a  bhi  aige,  agus  gu'm 
bu  choir  dha  speis  araidh  a  bhi  aige  dha.  Bha  e 
taingeil  air  son  so  uile.  Ach  gu  de  bha  ann  gu 
leir  ach  an  fhein,  an  fhein,  an  fhein !  Agus  mar 
sin  cha  b'ioghnadh  ged  a  gheibheamaid  ni  eile 
anns  an  iirnuigh  so. 

Gheibh  sinn  innte  mor  thair  air  muinntir 
eile.  So  agaibh  brathair  an  uabhair  spioradail — 
cruaidh-bheachd,  mi-charthanas.  Tha  spiorad 
an  Phairisich  a'  toirt  a  chreidsinn  air  nach  'eil 
ann  ach  e  fhein,  nach  'eil  a  choimeas  ann  agus 
nach  'eil  daoine  eile  an  taca  ris-san  ach  'n  an 
creutairean  truagh  ain-diadhaidh.  So  spiorad 
cho  cronail  's  a  tha  ann  do  rioghachd  Dhe. 
So  an  spiorad  a  bhac  agus  a  tha  fhathast 
a'  bacadh  teachd  na  rioghachd  sin.  Thuirt 
an  Tighearna  ri  Phairisich  a  latha-san  gu'm 
b'an-aoibhinn  dhaibh  a  chionn  gu'n  robh  iad 
a'  druideadh  rioghachd  Neimh  an  aghaidh 
dhaoine,  "  Cha  teid  sibh  fein  a  steach,"  thuirt 
e,  "  agus  chan  f hulling  sibh  do'n  dream  a  tha 
dol  a  steach,  dol  ann."  Cha  do  bhasaich 
siol  nam  Phairiseach — tha  an  spiorad  fhathast 
am  measg  dhaoine.  So  an  spiorad  a  tha  'g 
aobharachadh  roinnean  agus  bhearnan  ann  an 
coimhthionalan  agus  ann  an  Eaglaisean,  an 
spiorad  a  tha  toirt  a  chreidsinn  air  daoine  gur 
iadsan  a  mhain  a  tha  ceart  agus  a'  coimhead 
na  f  irinn,  agus  gu  bheil  gach  buidheann  eile  de 


Chriosduidhean  cearr  agus  mi-dhileas.  So  an 
spiorad  a  tha  toirt  air  daoine  a  bhi  smaoineach- 
adh  gur  ann  mar  is  lugha  a'  bhuidheann  d'am 
buin  iad  is  sabhailte  iad.  So  an  spiorad  a  tha 
a'  giiilan  cuid  gu  bhi  'g  an  cur  fein  air  spiris, 
cleas  coilich,  a'  sealltainn  sios  air  each  agus  'g 
an  gairm  fhein  a  mhain  maith  agus  glic.  Gu'n 
saoradh  Dia  sinne  uaith,  agus  gu'n  toireadh  e 
dhuinn  'n  a  aite  spiorad  a'  chis-mhaoir. 

Feuch  mar  a  tha  siiil  nan  seirbhiseach 

Air  laimh  am  maighistir  fein  ; 
Agus  mar  shuilibh  banoglaich  air  laimh 

A  ban-tighearn  faraon, 
Feithidh  ar  siiil  air  Dia,  gus  'n  dean 

E  trocair  oirnn  gu  caoin. 

Salm  cxxiii.  2. 

II.  Urnuigh  a  Chis-mhaoir 

Air  dhuinn  tighinn  gu  bhi  beachdachadh  air 
iirnuigh  a'  chis-mhaoir  tha  sinn  'g  ar  faotainn 
fhein  ann  an  diithaich  eile. 

'S  e  cheud  ni  a  tha  sinn  a'  faotainn  innte, 
mothachadh  domhain  air  peacadh.  Tha  an  so 
fior  spiorad  an  aithreachais.  Tha  am  mothach- 
adh so  air  peacadh  cho  domhain  agus  cho 
cudthromach  's  gu  bheil  e  'g  a  thaisbeanadh 
fein  anns  a'  ghiiilan  o'n  leth  a  muigh.  Tha  an 
duine  a'cromadh  a  chinn  agus  a'bualadh  a 
laimhe  air  uchd,  agus  sin,  chan  ann  a  chum  gu'm 
faicte  le  daoine  e,  ach  a  mhain  do  bhrigh  doimh- 
neachd  agus  cudthrom  f  hairichidhean.  Is  maith 
a  dh'fhaoidte  gu'n  do  chuir  a  ghiiilan  sgannal 
air  na  Phairisich  do  bhrigh  ana-measarachd,  ach 
cha  robh  an  duine  coir  a'  smuaineacadh  idir 
air  nithean  o'n  leth  a  muigh,  ach  a  mhain  air 
a  chor  fhein  mar  pheacach  an  lathair  Dhe. 
Bha  e  'ga  mheas  fhein  air  leth  o  dhaoine  eile, 
ach  cha  b'ann  naar  fhirean  ach  mar  pheacach. 
Tha  e  'g  a  shloinneadh  fhein  "  am  peacach  " 
mar  nach  biodh  ann  ach  e  fhein  d'am  buineadh 
an  cliii  sin.  Tha  e  'g  a  chur  fhein  air  leth  o 
chach  ach  chan  ann  air  spiris  na  fein-fhirean- 
tachd  agus  an  f  hein-mholaidh,  cleas  an  Phairisich, 
ach  air  stol  an  aithreachais  agus  an  fhein- 
dhitidh.  Tha  an  t-iodhol  mi-fhein,  an  aite 
bhi  'n  a  chuspair  aoraidh,  ah*  fhaotainn  anns  an 
in-nuigh  so,  cleas  Dhagon  o  shean,  briste  'n 
a  bhloighdean  fa  chomhair  lathaireachd  an 
Tighearna. 

'S  e  andara  ni  a  gheibhear  ann  an  so,  mothach- 
adh cudthromach  cothromach  air  Dia.  'S  e 
Dia  na  h-uile  anns  na  h-uile  do'n  duine  so — 
Dia  'na  naomhachd,  Dia  'n  a  mhaitheas,  Dia  'n 
a  throcair.  Dia  'n  a  fhiachan-san,  B'fhada 
bho'n  sin  e  !  'S  ann  a  bha  esan  baithte  ann  am 
fiaehan  do  Dhia — fiachan  neo-chriochnach. 
So  agaibh  fior  spiorad  an  aona  Salm  deug  thar 
an  d^  fhichead,  "  A'd'aghaidh,  a'  d'  aghaidh 
fein  a  mhain  pheacaich  mi." 
i  Tha  againn  anns  an  treas  aite  Ian  mhuinghin  a 
jmhain  an  trocair  Dhe.  So  agaibh  a  ris  guth 
"na  Sailm    cheudna   dh'    ainmich   sinn  cheana, 


AM  PHAIRISEACH  AGUS  AN  CIS-MHAOR 


3 


"  Dean  trocair  orm  a  Dhe  a  reir  do  choibhneis- 
ghraidh  ;  a  reir  lionmhorachd  do  chaomh- 
throcairean  dubh  as  m'eusaontas."  Tha  fhair- 
eachadh  air  peacadh  'g  a  dhiinadh  a  steach  ri 
trocair  Dhe,  agus  tha  e  ag  iirnuigh  air  son 
trocair  mar  nach  biodh  ann  ach  e  fhein.  Tha 
e  'g  a  fhagail  fhein  gu  buileach  ann  an  lamhan 
an  Tighearna,  a'  tagradh  a  throcair  agiis  a 
throcair a mhain.  Mara  thoill  e  mar  pheacach 
gu'n  laigheadh  air  Ian  f  hearg  Dhe,  mar  sin  a  nis 
tha  e  guidhe  gun  laigheadh  air  a  Ian  throcair, 
oir  tha  e  a'  creidsinn  nach  fhoghainn  dha  ach 
uile  lanachd  na  trocair  sin.  Chan  urrainn  agus 
chan  fhaod  a  leithid  so  a  dh'urnuigh  a  dholgun 
fhreagradh.  Agus  mar  sin  tha  an  Slanuighear 
ag  radh  gu'n  deachaidh  an  cis-mhaor  "  sios  d'a 
thigh  air  fhireanachadh."  Thuirt  sinn  mu 
thrath  gu'n  robh  Pol  aon  uair  'n  a  Phairiseach, 
ach  gu'n  deachaidh  a  thionndadh  gu  bhi  'n  a 
chis-mhaor  aig  am  iompachaidh.  'S  ann  uaithe 
so  a  tha  e  cho  laidir  agus  cho  soilleir  air  teagasg 
an  fhireanachaidh.  'S  iomadh  iirnuigh  fhada, 
phongail  a  chuir  Pol,  am  Phairiseach,  suas  ach 
thainig  e  latha  gu  bhu  cur  suas  iirnuigh  a'  chis- 
mhaoir  agus  fhuair  e  am  freagradh  a  gheall  an 
Slanuighear  ;  ars  esan,  'se  suimeadh  suas  na 
fhuair  e,  "  Fhuair  mi  trocair  "  1  Tim.  i.  13. 

Chan  urrainn,  ma  tha,  ceisd  sam  bith  a  bhi 
oirnn  a  thaobh  f ireanachaidh  a'  chis-mhaoir,  no 
a  thaobh  aon  sam  bith  anns  an  aon  inntinn, 
agus  a'  cur  suas  na  ceart  iirnuigh  ris-san,  ach 
faodaidh  e  bhi  'n  a  cheisd  an  robh  aithne  aige 
fhein  air  an  sin  aig  an  am  a  dh'fhag  e  an  team- 
pull — a  bheil  am  "  fireanachadh  "  a'  gabhail 
sin  a  steach  no  nach  'eil  ?  Tha  cuid  de  luchd- 
mineachaidh  ag  radh  gu  bheil  agus  cuid  nach 
'eil.  Tha  sinne  de'n  bheachd  gu  bheil  e  na's 
cordaichte  ri  teagasg  na  cosmhalachd  nach  'eil, 
agus  gur  e  mhain  a  tha  air  a  ghabhail  a  steach 
anns  an  fhireanachadh  so  fkeanachadh  dha- 
rireadh  ann  an  sealladh  Dhe,  gun  fhios  aig  an 
duine  fhein  air  an  sin  aig  a'  cheart  am.  Chan 
ann  air  faireachduinn  a'  chis-mhaoir  a  tha  an 
Tighearna  a'  labhairt  ach  air  a  shuidheachadh 
an  lathair  Dhe.  'S  maith  a  dh'f  haoidte  gu'n  dea- 
chaidh am  Phairiseach  dhachaidh  Ian  riaraichte 
leis  fhein,  le  gne  de  dh'aoibhneas  'n  a  chridhe, 
a'  saoilsinn  gu'n  do  ghabh  Dia  ris,  agus  gu'n 
deachaidh  an  cis-mhaor  d'a  thigh  dubhach, 
bronach,  Ian  de  theagamh,  agus  de  dh'amharus, 
a'  saoilsinn  nach  do  ghabh  Dia  idir  ris.  Ach 
tha  an  Slanuighear  'g  a  ghairm  beannalchte, 
"  air  fhireanachadh,"  agus  's  e  binn  agus  facal 
an  t-Slanuighear  a  sheasas.  Oir  is  ann  aig  an 
so  a  tha  soisgeul  agus  teagasg  na  cosamhlaohd 
a'  tighinn  dachaidh  a  dh'ionnsaidh  suidheach- 
adh  na  muinntir  a  tha  ri  bron  ann  an  Sion,  a' 
teagasg  dhaibh  nach  fhaod  lad  a  bhi  a'  dol  a 
reir  am  faireachduinnean  bochda  fein  ach  a  reir 
soisgeil,  facail,  agus  geallaidh  an  Tighearna, 
agus  'g  an  cur  sin  air  thoiseach  air  am  faireach- 


duinnean fhein.  Chan  e  faireachadh  ach  f irinn  a 
ta  ann,  gu  bheil  Dia  a'  fireanachadh  nan  daoine 
mi-dhiadhaidh  a  chreideas  'n  a  Mhac  (Rom.  iv. 
5).  Ma  thainig  ann  an  cridhe  a'  chis-mhaoir 
anns  an  teampull,  no  air  an  rathad  dhachaidh, 
no  'n  a  thigh  fein,  bho  earrainn  de'n  fhirinn, 
no  bho  shanas  an  spioraid  'n  a  chridhe,  dearbh- 
aidhean  gu'n  robh  a  pheacaidhean  air  am 
maitheadh,  shruth  sin  bho  'n  fhireanachadh  a 
thachair  aig  am  dha  e  fhein  a  thilgeadh  gu 
buileach  air  trocair  Dhe.  Thainig  am  faireach- 
adh an  lorg  an  fhireanachaidh,  agus  cha  b'e 
am  fireanachadh  an  lorg  an  f haireachaidh,  mur 
b'e  am  fireanachadh  roimh  laimh  cha  bhiodh 
am  fireanachadh  'n  a  fhirinn.  Feumaidh  sinn 
mar  sin  a  bhi  a'  buanachadh,  chan  ann  air 
faireachdan,  cho  maith  no  cho  mi-ghealltanach 
's  ge'm  bi  iad,  ach  air  "  facal  f  irinn  an  t-soisgeil," 
air  binn  agus  briathran  Chriosd  a  sheasas  agus 
air  comhairle  agus  geallaidhean  Dhe  ann-san, 
"chum,"  mar  a  their  an  t-Abstol,  "  ire  dha 
ni  neo-chaochlaideach  mionnan  agus  gealladh 
Dhe  anns  an  robh  e  eu-comasachadh  gu'n 
deanadh  Dia  breug  gu'm  biodh  againne  comh- 
f  hurtachd  laidir,  a  theich  chum  didein  gu  greim  a 
dheanamh  air  an  dochas  a  chuireadh  romhainn  " 
(Eabh.  vi.  18).  Feumaidh  sinn  a  bhi  gluasad 
a  reir  creidimh  agus  chan  ann  a  reir  seallaidh. 
Chuala  mi  an  Dr.  MacLachlainn,nach  maireann, 
uair  ann  an  Leodhus  a'  searmonachadh  bho  na 
briathran  :  "  Chan  'eil  a  nis  diteadh  do'n  dream 
sin  a  tha  ann  an  losa  Criosd"  (Rom.  viii.  1)  agus 
thuirt  e  mar  so  :  "  Cuir  thusa  a  chreidmhich 
dealachadh  eadar  do  choran  agus  do  choraich- 
ean  ;  tha  do  choran  gluasadach  ach  tha  do 
choraichean  seasmhach  ;  tha  lamh  an  t-Satain 
fada  gu  leor  gu  ruigheachd  air  do  choran  gus 
am  milleadh,  ach  chan  'eil  lamh  fada  gu  leor 
aige  gu  ruigheachd  air  do  choraichean — tha  iad 
sin  seasmhach,  siorruidh,  falaichte  maille  ri 
Criosd  ann  an  Dia."  Tha  an  fhianuis  so  fior 
agus  sgriobturail.  O  thusa,  ma  tha,  a  thilg  thu 
fein  air  trocair  Dhe  ann  an  Criosd,  agus  a  tha 
fhathast  teagmhach  an  do  ghabh  e  riut,0  thusa 
air  bheag  creidimh  biodh  deagh  mhisneach 
agad — tha  e  fhein  ag  radh  gu  bheil  do  pheacaidh-  . 
ean  air  am  maitheadh  dhiiit,  imich  ann  an  sith ! 
Gabh  air  fhacal  e  a  tha  'g  radh  "  An  ti  a  thig 
am  ionnsaigh,  cha  tilg  mi  air  chor  sam  bith  a 
mach  e." 

Ach  feuch  gun  tig  thu  mar  pheacach — chan 
ann  an  spiorad  an  Phairisich  ach  ann  an  spiorad 
a'  chis-mhaoir.  'S  ann  ri  peacaich  a  tha  E 
gabhail,  oir  mar  a  thuirt  e  fhein,  cha  d'thainig  e 
a'  ghairm  nam  firean  ach  nam  peacach  a  chum 
aithreachais.  Bha  duine  ann  a  bha  fada  ag 
iarraidh  reite  ri  Dia  gun  a  bhi  ag  amas  oirre  ach 
a  fhuair  a  mach  fa-dheoidh  gur  e  a  choire  fhein 
a  b'aobhar  d'an  sin,  agus  b'abhais  dha,  an  uair 
a  bhiodh  muinntir  a'  faighneachd  dheth  ciamar 
a  fhuair  e  sith  a  bhi  'g  a  chur  mar  so,  "  Fhuair 


AM  PHAIRISEACH  AGUS  AN  CIS-MHAOR— LEABHAR  FEUMAIL 


mi  slainte  le  tiocaid  a'  fhuair  mi  'n  a  mo  bhroil- 
leach.  'N  uair  a  fhuair  mi  e  an  toiseach  bha 
sgriobhta  air,  Leig  a  steach  ami  fear  so  a  tha  'n  a 
pheacach.  Cha  bu  leor  so  leam  oir  bha  e  ro 
lom,  ar  leam,  agus  chuir  mi  so  ris,  ach  nach  'eil 
'na  pheacach  cho  mor  ri  cuid,  agus  dh'fheuch 
mi  a  dhol  a  steach  leis  mar  sin,  ach  cha  leigeadh 
an  dorsair  leam.  An  ceann  tacain  chunnaic  mi 
nach  deanadh  na  chuir  mi  ris  a'ghnothuich,  agus 
dhubh  mi  as  e  agus  chuir  mi  'n  a  aite,  'agus  a 
tha  gu  bronach  agus  gu  deurach  ag  iarraidh 
slainte,' agus  arsamise,'Cha  chreidmi  nach  dean 
so  an  gnothuch.'  Ach  a  ris  dhiult  an  dorsair  mi. 
Dh'fhan  mi  tacan  eile  mar  sin  ach  bho  dheireadh 
thainig  mi  gu  bhi  f  aicinn  gu  'm  b '  eigin  cr  eide am h  a 
bhi  agam  agus  dhubh  mi  as  a  ris  na  chuir  mi  air 
agus  chuir  mi  'n  a  aite, '  agus  a  tha  a'  feuchainn 
mar  is  fhearr  as  urrainn  e  dha  a  bhi  creidsinn,' 
agus  arsa  mise  rium  fein,  '  chan  fhaod  e  bhi 
nach  deiin  so  an  gnothuich  co  dhiubh.'  Ach 
ino  thruaighe !  chaidh  mo  dhiultadh  a  ris.  Bha 
minis  ann  an  eu-dochas,oir  charobhni  tuilleadh 


agam  a  chuirinn  ris,  agus  bha  mi  an  diiil  nach 
fhoghnadh  dhomh  a  dhol  leis  an  tiocaid  luim 
mar  a  fhuair  mi  an  toiseach  i.  Ach  bho  dhei- 
readh, an  deidh  mor  dheuchainn,  agus  ann  am 
mor  imcheisd  (oir  bha  mi  a'cur  romham  tear- 
nadh  fhaotainn  air  na  h-uile  costus)  ghlac  mi 
misneach  gu  dhol  leis  an  tiocaid  luim  mar  a 
fhuair  mi  i  'n  am  bhroilleach  an  toiseach  agus, 
iongantas  nan  iongantasan,  dh'fhosgail  an 
dorsair  dhomh  air  ball  ag  radh  aig  a'  cheart  am  : 

THA    MISE    a'    GABHAIL    PHEACACH    AM    lONNSAIDH 

AGUS  AG  iTHEADH  MAiLLE  Riu.  Sin  agaibh  mar  a 
fhuair  mise  slainte."  Mo  cho-pheacaich,  feuch 
thusa  an  doigh  cheudna  agus  theid  leat-sa  mar 
a  chaidh  leis-san,  agus  mar  a  chaidh  leis  a' 
chis-mhaor  anns  a'  chosmhlachd. 

Lan  fhoillsich  mi  mo  pheacadh  dhuit, 
Nior  cheil  mi  m'aingidheachd  : 

Aidmheil,  thuirt  mi  do  Dhia  ni  mis, 
Is  mhaith  thu  cron  mo  lochd. 

D.  I.  Mairtinn, 
Nach  maireann,  a  bha  's  an  Oban. 


Leabhar  Feumail 


I  HO  chionn  ghoirid  bha  leabhar  air  a  chur  a 

•mach  leis  an  Urramach  Domhull  Mac 
Fhionghain,  ministear  na  h-eaglais  Shaoir 
am  Port-righ,  a'  toirt  cunntais  air  a'  BhiobuU 
Ghaidhlig  agus  air  Leabhar  nan  Salm,  c'uin 
agus  CO  leis  a  bha  iad  air  an  tionndadh  gu 
Gaidhlig,  agus  air  an  cur  an  clo. 

Bha  feum  air  a  leithid  so  de  leabhar,  oir  ged 
nach  'eil  leabhar  eile  a  tha  cho  trie  ann  an 
lamhan  dhaoine  anns  a'  Ghaidhealtachd  ris  a' 
Bhiobull,  chan  'eil  ach  gle  bheag  dhiubh  a 
b'  urrainn  innseadh  ciamar  a  fhuaradh  e,  no  co 
aig  an  robh  lamh  ann.  Theagamh  gu  bheil 
fhios  aig  anfheadhainn  as  eolaiche  air  litreachas 
an  duthcha  agus  air  eachdraidh  na  h-eaglais  gu 
bheil  sinn  an  comain  nan  Stiiibhardach  air  son 
a'  Bhiobuill,  agus  an  comain  an  OUaimh  Iain 
Smith  a  bha  an  Ceann-loch,  Chille-Chiarain, 
air  son  nan  Salm,  ach  sin  uile  e.  Co  a  chuidich 
leis  na  daoine  sin  ;  no  c'uin  a  bha  na  leabhraich- 
ean  air  an  cur  a  mach  ;  no  ciamar  a  bha  an 
obair,  uair  as  deidh  uair,  air  a  ceartachadh, — 
sin  nithean  air  nach  'eil  fhios  aig  a'  mhor- 
chuideachd. 

Gun  teagamh  tha  fhios  aig  sgoilearan  air, 
agus  is  aithne  do  sgoilearan  c'aite  an  rachadh 
iad  a  dh'  iarraidh  crioman  air  bith  de'n  each- 
draidh so  nach  'eil  iad  a'  gitilan  'n  an  cuimhne, 
ach  air  a  shon  sin  bidh  eadhon  sgoilearan  an 
comain  ministear  Phort-righ  a  chionn  gu'n  do 
chruinnich  e  fiosrachadh  mu'n  Bhiobull 
Ghaidhlig  a  iomadh  leabhar  agus  oisean  anns 
an  robh  sin  air  fholach,  agus  gu'n  do  chuir  e 
sios  e  gu  h-6rdail  ann  an  leabhar  beag  cumadail 
far  am  bi  e  a  nis  furasd  fhaotainn. 


Bha  feum  air  a  leithid  so  de  leabhar,  is  tha 
an  obair  air  a  deanamh  cho  maith  's  nach  b' 
fhiach  leam  ainmeachadh  air  an  duilleig  so  rud 
beag  no  dha  a  ghabhadh  ceartachadh  ann, 
agus  beachdan  sonraichte  a  gheibhear  ann  ris 
nach  cuirinn  m'  aonta.  Is  fhearr  leam  gu  mor 
taing  a  thoirt  do  Mghr  Mac  Fhionghain  air  son 
an  leabhair  so,  leabhar  feumail  a  bheir,  an  da 
chuid.  eolas  agus  toileachas  do  dhuine  air  bith 
a  cheannaicheas  e.  Chan  'eil  e  a'  cosd  ach 
criin  is  se  sgillinn. 

Tha  e  ag  radh  ann  an  toiseach  an  leabhair 
gu  robh  e  air  a  chur  I'i  cheile  anns  a'  bheagan 
iiine  a  bha  aige  dha  fhein  ;  bu  mhaith  an 
gnothuch  na'n  deanadh  ministearan  eile  feum 
cho  mhaith  de'n  iiine  a  tha  aca  dhaibh  fein  's  a 
rinn  ijghdar  an  leabhair  so.  Tha  fichead 
doigh  anns  am  faod  ministearan  an  iiine  a  tha 
aca  dhaibh  fein  a  chur  seachad  ;  iasgach  is  golf 
is  gairnealaireachd, — tha  iad  sin  uile  fodhpa, 
ach  cha  bu  chall  ach  buannachd  a  bhiodh  ann 
dhaibh  fein  agus  do  dhaoine  eile  na'n  treigeadh 
ministearan  an  iomain  agus  iasgach  bhreac, 
agus  na'n  cuireadh  iad  seachad  an  iiine  a' 
dioghlum  dhias  ann  an  oisean  de  rioghachd  an 
eolais. 

Bha  aon  mhinistear  Gaidhealach  a  b'  aithne 
dhomh  a  chuir  seachad  iiine  anns  an  doigh  sin, 
D«nhull  Mac  Illeathain,  a  bha  an  Diurinnis. 
Chan  'eil  cuimhne  air  Domhull  Mac  Illeathain 
anns  an  eaglais  an  diugh,  is  theagamh  nach  do 
rinn  e  obair  innte  a  chumadh  cuimhne  air  ainm, 
ach  air  a  shon  sin  rinn  e  obair  eile  a  bha  ana- 
barrach  fiachail  is  feumail,  obair  a  bu  choir  do 
ssroilearan  a  bhi  'n  a  chomain  air  a  son,    Buinidh 


LEABHAR  FEUMAIL— AM  BATA  CAOL  CANACH 


leabhar  Mhic  lUeathain,  Typographia  Scoto- 
Gadelica,  do'n  t-seorsa  leabhraichean  sin  as  am 
bi  a  h-uile  duine  a'  gabhail  iasaid,  iasad  nach 
'eil  ail-  uairean  air  aideachadh.  Chan  'eil 
seachduin  de  mo  bheatha  nach  'eil  mise  a' 
sealltuinn  anns  an  leabhar  sin,  agus  arms  nach 
'eil  mi  taingeil  gu  bheil  e  aig  mo  laimh,  ach  is 
ann  gle  annamh  a  chi  mi  an  leabhar  air  a 
mholadh,  no  taing  air  a  thoirt  do'n  fhear  a 
sgriobh  e.  Bu  mhaith  leam  a  radh  air  an 
duilleig  so,  ma  ta,  gur  e  Typographia  Scoto- 
Gadelica  an  obair  as  fhearr  agus  an  obair  as 
feumaile  a  bha  air  a  deanamh  le  ministear 
Gaidhealach  o  chionn  leth-cheud  bliadhna. 

Anns  an  leabhar  so  tha  Domhull  Mac 
Fhionghain  a'  toirt  cunntas  goirid  air  moran  de 
na  diadhairean  agus  na  sgoilearan  aig  an  robh 
lamh  anns  a'  Bhiobull  Ghaidhlig,  agus  anns  na 
Sailm,  agus  anns  na  Laoidhean ;  Seumas 
Stiiibhard,  an  Cill-fhinn  ;  Iain  Stiiibhard,  an 
Lus  ;  Alasdair  Stiiibhard,  an  lonar-pheotha- 
rain  ;  Tomas  Mac  Lachlainn,  an  Duneideann  ; 
Iain  Mac  Illeathain,  an  Glaschu ;  Raibeart 
Kirk  am  Both-chuidir,  agus  moran  eile.  An 
uair  a  leuffhas  mi  ainmean  nan  diadhairean  so 
bidh  an  smuain  ag  eirigh  n  am  inntinn  nach 
gabhadh  an  leithidean  faotainn  anns  a'  Ghaid- 
ealtachd  an  diugh.  Theagamh  gu'n  abair 
thusa,  a  leughadair,  nach  'eil  an  so  ach  comh- 
arradh  gu  bheil  mi  fhein  a'  fas  sean,  oir  gun 
teagamh  is  e  aon  de  chomharraidhean  na 
h-aoise  e  an  uair  a  thoisicheas  duine  air  a  radh 
gu'm  b'  fhearr  na  seann  laithean  na  na  laithean 
a  tha  ann  an  diugh. 

Tha  e  duilich  aon  linn  a  choimeas  ri  linn  eile, 
no  seann  diadhairean  a  choimeas  ri  ministearan 
a  tha  fathast  beo,  ach  ged  tha  meas  agam-sa 
air  buadhan  agus  sgoilearachd  nan  daoine  a 
thug  dhuinn  am  BiobuU,  agus  na  Sailm,  agus 
na  Laoidhean,  tha  mi  Ian  ehinnteach  gu'n 
gabhadh  daoine  faotainn  anns  an  eaglais  an 
diugh  a  dheanadh  an  obair  a  cheai-t  cho  maith. 

Chan  'eil  fada  o  bha  am  Biobull  air  a  chear- 
tachadh  mu  dheireadh,  is  faodar  fhagail  mar 
tha  e,  ach  is  fhada  o  nach  do  bheanadh  ris  na 
Sailm  a  bhitear  a'  seinn,  no  ris  na  Laoidhean. 
Chan  e  mhain  gu  bheil  feum  aca-san  air  an 
ceartachadh,  agus  gu'n  gabhadh  iad  deanamh 
moran  na's  fhearr  na  tha  iad,  ach  bhiodh  e 
furasda  gu  leor  daoine  fhaotainn  a  b'  urrainn 
an  obair  so  a  dheanamh. 

Tha  cuid  de  na  Sailm  a  tha  am  meadar  cho 


maith  agus  nach  gabhadh  iad  a  bhi  na  b 
fhearr,  ach  tha  feadhainn  eile  cho  dona  's  nach 
gabhadh  iad  a  bhi  moran  na  bu  mhiosa  na  tha 
iad,  agus  is  mor  an  diobhail  obair  shnasmhor 
agus  obair  ghroigeach  a  bhi  taobh  ri  taobh  anns 
an  aon  leabhar.  'Na  latha  fein  bha  an  t-Ollamh 
Urramach,  Iain  Smith,  an  Ceann-loch,  na 
b'fhearr  air  an  obair  so  na  duine  air  bith  eile  a 
dh'  fheuch  rithe,  ach  gheibhinn-sa  ann  an 
Seanadh  Earra-Ghaidheal  an  diugh  duine  nach 
tigeadh  Iain  Smith  ann  an  uisge  na  stiiirach 
aige,  agus  na'n  robh  eaglaisean  na  Gaidheal- 
tachd  a'  sealltuinn  air  thoiseach  orra  mar  bu 
choir  daibh,  dh'  fheuchadh  iad  ri  ceann  a  chur 
anns  an  obair  m'an  tig  am  bas  air.  Tha  e  na's 
ro-fheumaile  do'n  eaglais  Shaoir  gu  sonraichte 
meadar  is  ranntachd  nan  Salm  a  cheartachadh 
agus  a  dheanamh  maiseach  a  chionn  gur  i  as 
motha  a  tha  cleachdadh  na  Gaidhlig,  agus  a 
chionn  nach  'eil  i  ag  uisneachadh  ach  na  sailm 
a  mhain  ann  an  aoradh  follaiseach. 

Bud  gle  neonach,  ged  a  bhios  muinntir  an 
taobh  Tuath  a'  bruidhinn  air  uairean  mar  nach 
robh  ann  am  muinntir  Earra-Ghaidheal  is 
Pheairt  ach  cinneach  a  tha  siubhal  ann  an 
dorchadas,  seorsa  de  Nasaret  lom  as  nach 
urrainn  ni  maith  air  bith  teachd  a  mach,  is  ann 
o  Earra-Ghaidheal  agus  o  Pheairt  a  fhuair  iad 
fhein  am  Biobull  agus  na  Sailm.  Mur  creid 
iad  so  bhuam-sa  leughadh  iad  an  leabhar  so 
a  sgriobh  am  fear-diithcha,  Domhull  Mac 
Fhionghain,  agus  chi  iad  an  sin  e. 
p  Moran  taing  do  mhinistear  Phort-righ  air 
son  an  leabhar  so  a  thoirt  duinn  ;  obair  a  tha 
air  a  deanamh.  gu  ciiramach,  agus  anns  am 
faigh  an  luchd-leughaidh  iomadh  rud  nach 
robh  fhios  aca  air.  Tha  siobhaltachd  is  modh 
'n  a  sheanchas  ;  chan  'eil  aon  fhacal  eadar  da 
chlar  an  leabhair  a  bheir  oilbheum  do  dhuine 
no  do  eaglais  eile. 

Faodaidh  mi  an  t-iomradh  goirid  so  air 
leabhar  a  chord  rium  a  chriochnachadh  leis  a' 
chuid  mu  dheireadh  de'n  earail  a  thug  Seanadh 
Earra-Ghaidheal  "  Do  chum  an  Leghthora  " 
anns  a'  Cheud  Chaogad  de  Shailm  Dhaibhidh  a 
chuir  iad  a  mach  an  1659 — "  Anois,  a  leghthora, 
deunse  ditcheall  ann  san  obair  bhigse  bhuilingh- 
adh  gu  maith,  agus  guidh  air  an  Tighearna  e 
fein  do  bheannughadh  an  tshoisgeil  anns  na 
tirthaibh  gaoidhlaschsa,  agus  lasair  shoilier 
Ian  teasa  do  dheanamh  don  tsraid  bhig  do 
lasadh  cheana  ionta.    Gras  maille  riot." 


Am  Bata  Caol  Canach 


AREIR  beul-aithris  na  h-Earadh  chaidh 
gille  6g  de  mhuinntir  Leodhais  a  bhathadh 
agus  e  a'  gabhail  an  aisig  a  dhol  a  phosadh 
te  de  mhuinntir  Scalpaidh.  Bhris  bathadh  a 
leannain  cridhe  Anna  Chaimbeil,  agus  bhiodh 


i  ri  faicinn  gach  maduinn  is  feasgar  an  oir  a' 
chladaich,  ag  iarraidh  a  chuirp,  agus  an  duan 
tiamhaidh  so  'na  beul, 

"Ailein  Duiim,  shinhhlainn  leaf." 


6 


AM  BATA  CAOL  CANACH 


Lean  i  air  siubhal  a'  chladaich  fhad  's  bu 
bheo  i,  's  cha  b'  fhada  sin,  oir  chaochail  i  le 
briseadh-cridhe  ann  am  beagan  nine.  B'e 
ainm  Ailein  am  facal  mu  dheireadh  a  labh- 
air  i  air  thalamh,  agus  chuir  i  cumhachan 
air  a  cairdean  gu  'n  caradh  iad  i  ann  an  uaigh 
a  leannain,  b'e  sin  an  cuan.  Tha  e  coltach 
nach  do  gheall  iad  so  dhi,  ach  a  reir  beul- 
aithris  na  diithcha,  fhuair  Anna  Chaimbeul  a 
guidhe  ann  an  doigh  iongantach.  Tha  an 
corr  de  'n  naigheachd  air  a  h-innseadh  anns  a' 
"  Mhlosachan  Cheilteach,"  ann  am  Beurla, 
agus  gheibhear  i  air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig 
ann  an  "  Naigheachdan  Firinneach"  le  Fionn 
nach  maireann.  So  mar  a  thachair  air  la  an 
t^odhlacaidh. 

Chan  'eil  Rodul,  an  t-aite  anns  an  robh 
i  ri  bhi  air  a  h-adhlacadh  ach  mu  thri  mile  deug 
o  Scalpaidh,  ach  leis  na  bha  de  chairdean 
deonach  air  Anna  bhoidheach  fhaicinn  'g  a 
caradh  fo'nfhoid  an  Cladh  Chliamain,  b'fheudar 
dhaibh  tri  eithrichean  a  chur  fo  uidheam.  B'e 
Di-sathuirne  latha  an  tiodhlacaidh — latha  bhios 
fada  air  chuimhne  anns  na  h-Earadh.  Sheol  na 
tri  bataichean  a  Scalpaidh,  a'  toirt  an  aghaidh 
air  Rodul.  Anns  a'  cheud  bhata- — "  Am  Bata 
Caol  Canach  "  —  bha  a'  chiste-mhairbh,  agus 
na  dltith  chairdean ;  Coinneach  Caimbeul,  bra- 
thair  Anna  ;  Caimbeulach  Mharraig  ;  Caim- 
beulach  Strannd  ;  Mac  Leoid  Hiiisinnis  ;  agus 
Mac  Leoid  Loisgin-tire  ;  agus  dha  no  tri  eile  de 
mhaithean  na  h-Earadh. 

Bha  a'  mhaduinn  geal  grianach,  gun  deo 
a  adhar,is  b'  fheudar  dhaibh  na  raimh  a  ghab- 
hail.  Ach  an  uair  a  bha  iad  os  cionn  Rudha 
Reibhnis  dh'eirich  gaoth  an  ceann  orra.  Ghrad 
dh  'atharraich  an  latha ;  dh'fhas  anspeurdorcha, 
gruamach,  agus  dh'  eirich  a'  ghaillionn.  Thog 
am  "  Bata  Caol  Canach  "  an  seol,  agus  leig  iad 
a  mach  i  air  sgriob  do'n  chuan,  los  beatadh  gu 
a  ceann-uidhe.  Ach  cha  b'e  sin  an  sxigradh 
dhaibh.  Bha  an  sneachd  a  nis  'g  a  chur  ;  bha 
a'ghaoth  a  sior  fhas,  agus  m'  an  deachaidh  iad 
fada  bha  a  h-aodach  air  a  shracadh  'na  stiallan. 
Bha  an  taoim  ag  eirigh  ris  na  tobhtachan,  agus 
an  eithear  an  impis  dol  sios  fo'  n  casan.  Ach 
rud  a  b'uamhasaiche  air  fad  !  faicear  air  bharr 
nan  tonn  coslas  boirionnaich,  a'  leantainn  a' 
bhata.  An  toiseach  cha  d'  thuirt  fear  seach 
fear  de  'n  sgioba  diog,  ged  a  bha  gach  fear 
dhiubh  'na  chridhe  fein  a'  cur  olc  air  mhanadh, 
's  cha  b'  iongantach  sin.  Chiim  iad  orra  a' 
taomadh  a'  bhata,  ach  bha  'n  taoim  a'  buannachd 
orra  ge  b'  oil  leo.  Mu  dheireadh  thuirt  fear 
dhiubh  gu  'm  b'e  a  chomhaii-le-san  a'  chiste  a 
chur  a  mach  gun  tuilleadh  dalach,  agus  a 
guidhe  a  leigeil  le  Anna  Chaimbeul  a  bha,  a  reir 
choslais,r'afhaotainn  a  dheoin  noadh'  aindeoin. 
Ach  cha  tugadh  Coinneach  a  brathair  cead 
dhaibh  so  a  dheanamh.  Bha  Coinneach  'na 
shuidhe  's  an  deireadh,  agus  an  uair  a  thuirt 


e  so,  thainig  tamhasg  a  pheathar  cho  dluth  dha 
's  gu  'n  do  chuir  i  a  lamh  air  a  ghualainn.  Aig 
a'  cheart  am  chaidh  uisge  uamhasach  thairis  air 
an  eithear  a  theab  a  cur  fodha  ;  thog  an  t-uisge  ■ 
a'  chiste  agus  buailidh  i  Coinneach  anns  an  uchd, 
agus  bha  e  thar  na  cliathach,  mur  beireadh  each 
air.  An  sin  chunnaic  e  nach  robh  feum  dha 
seasamh  an  aghaidh  an  dain,  agus  dh'  iarr  e 
orra  a'  chiste  a  chur  a  mach.  An  am  a  leigeil 
as,  chuir  fear  dhiubh  an  ceann  aisde  le  doir- 
neag  raimh,  agus  chunnaic  iad  corp  Anna 
Chaimbeil  a'  dol  fodha  ann  an  tiota  gu  grunnd 
a'  chuain,  agus  chual  iad  guth  ag  eigheach  gu 
tiamhaidh, 

"Ailein  duinn,  shiuhhlainn  leat." 

Dhealaich  na  h-eithrichean  eile  ris  a'  "  Bhata 
chaol  Chanach  "  aig  Rudha  Reibhnis.  Bha 
iad  na  bu  dliiithe  do  thir  an  uair  a  dh'  eirich 
an  stoirm,  agus  gun  an  siiiil  a  thogail,  lean  iad 
ri  oir  a'  chladaich,  ag  iomram  le  ochd  raimh  gus 
an  do  rainig  iad  Manais.  Gun  fhios  aca  ciod  a 
thachair  d'  an  companaich  choisich  a'  chuideachd 
gu  Rodul.  Ach  cha  robh  sgioba  a'  bhata  eile 
romhpa  an  sin.  Bha  iad  uile  de  'n  bheachd  gu  'n 
deachaidh  i  fodha,  oir  nach  robh  e  comasach  do 
bhata  fosgailte  an  Cuan  Sgitheanach  a  ruith  ri 
leithid  de  latha.  Dhichuimhnich  iad  bathadh 
Ailein  Duinn,  agus  bas  Anna  Chaimbeil,  leis 
cho  uamhasach  's  a  bha  an  call  eile  a  thachair,  a 
reir  choslais. 

Ach  a  thilleadh  air  ais.  Bha  am  "  Bata  caol 
Canach  "  ann  am  meadhon  a'  Chuain  Sgith- 
eanaich  an  uair  a  chuireadh  a  mach  a'  chiste. 
Bha  i  letheach  uisge,  cuid  de  na  raimh  briste, 
's  a  h-aodach  'na  stiallan,  gun  pheallag  aca  a 
chrochadh  iad  ri  crann.  Ach  gu  fortanach 
cha  luaithe  chaidh  an  corp  a  chur  a  mach 
na  shiolaich  an  cuan  's  a  dh'  islich  a' 
ghaoth.  An  deidh  dhaibh  a  taomadh  chuir 
Calum  Mac  Leoid  a  bhreacan  dheth,  is  chuir 
iad  suas  mar  sheol  e,  a'  ruith  roimh  'n 
ghaoith  gu  acarsaid  air  bith  a  bheireadh  am 
bata  a  mach.  Leis  an  dorchadas  cha  robh 
fhios  aca  ciod  an  taobh  a  bha  iad  a'  dol, 
agus  bha  iad  fo  eagal  gu  'n  tuiteadh  iad  air 
droch  chladach.  Eadar  sud  is  latha  mhoth- 
aich  iad  a  druim  a  sgriobadh  'a  ghruinnd, 
agus  an  uair  a  chunnaic  iad  gu  robh  iad 
air  traigh  reidh  mhin,  thug  iad  taing  do  'n 
Fhreasdal  a  thug  sabhailte  gu  tir  iad.  Leum 
iad  aisde,  dh'  fhag  iad  am  bata  far  an  robh  i, 
agus  an  deidh  beagan  falbhain  thainig  iad  gu 
C'aite  an  deachaidh  iad  air  tir  ach  ann  an 
tigh  far  an  d'  fhuair  iad  gabhail  aca  gu  coibhneil. 
Sniosard  anns  an  Eilean  Sgitheanach  !  Bha  iad 
an  sin  beagan  laithean,  ach  cho  luath  's  a  bha  e 
'n  an  comas  rinn  iad  an  rathad  dhachaidh  do 
na  h-Earadh. 

Faodar  ainmeachadh  gu  'n  deachaidh  corp 
Ailein  Duinn  air  tir  anns  na  h-eileanan  Sianta, 


AM  BATA  CAOL  CANACH— lImHAN  DII^EAS 


\ 


goirid  an  deidh  bas  a  leannain,  Anna  Chaimbeul, 
agus  chaidh  a  charadh  fo'n  fhoid  ann  an  Leodhas. 
Goirid  an  deidh  Dhi-sathuirne  an  fhuadaich 
fhuaradh  coi-p  Anna  Chaimbeil  anns  an  dearbh 
aite  anns  an  d'fhuaradh  corp  Ailein  Duinn,  agus 
chaidh  a  sineadh  anns  an  aon  uaigh  ris  ann  an 
Leodhas. 


Bka  tad  gradhach  agus  taitneach  'n  am  heatha, 
Agus  'n  am  has  cha  do  sgaradfh  iad. 
Theirteadh  am  "  Bata  caol  Canach  "  ris  an 
eithear  mhi-shealbhaich  a  ghiiilain  corp  Anna 
Chaimbeil,  a  chionn  gu  'n  do  cheannaich  Caim- 
beulaich  Scalpaidh  i  o  f hear  de  mhuinntir 
Ghana." 


Lamhan  Dlleas 

Cha  teid  an  gradh  air  chiil  a  chaoidh 


'Se  gradh  a  bheir  dhovih  mart  gu  ruith 
A71  slighe  Dke  do  gk?iath; 
Tha  eagal  's  ebl  aig  Satan  fhein, 
Gidheadh  as  eiigmhais  grais. 

AN  uair  a  bha  an  soisgeulaiche  urramach, 
Daibhidh  Mac  An-Leigh,  ann  an  teas- 
meadhon  Africa  bha  da  sheirbhiseach  dhileas 
aige  d'  am  b'  ainm  Susi  agus  Cumah. 

Their  cuid  de  dhaoine  nach  'eil  iochd  no  onoir 
ann  an  sliochd  Ham,  ach  tha  an  gniomh  ciatach 
a  rinn  an  dithis  dhaoine  ud  a'  dearbhadh  gu 
robh  an  cridhe  cho  geal  ris  an  t-sneachd  ged 
bha  an  craicionn  dubh.  Chan  urrainn  an 
t-Etiopach  a  chraicionn  a  mhiighadh  ach, 
coltach  ris  an  duine  gheal,  tha  e  baigheil  ris 
an  fheadhainn  a  tha  baigheil  ris. 

Bha  Daibhidh  Mac  An-Leigh  coibhneil  ris  an 
t-sluagh  aineolach  bhorb  am  measg  an  deach- 
aidh  e  leis  an  t-soisgeul,  is  thomhais  iad-san 
dha  leis  an  tomhas  a  thug  e  dhaibh.  Chaidh 
e  thuca  mar  charaid  is  mar  bhrathair,  is  ghabh 
iad  e  gu  an  cridhe.  Rachadh  e  gun  fhiamh, 
gun  eagal,  am  measg  ttireubhan  borb  ris  nach 
fhaodadh  na  Boers  am  beatha  earbsadh,  agus 
cha  chuireadh  iad  corrag  air,  a  chionn  gu  robh 
fhios  aca  gu'm  bu  charaid  dhaibh  a  bh'a  ann. 

Cha  robh  doigh  aig  na  Boers  air  an  duine 
dhubh  a  riaghladh  ach  a  leor  de'n  chuip  a  thoirt 
da,  ach  b'  aithne  do'n  t-soisgeulaiche  chaomh 
doigh  a  b'  fhearr  na  sin.  Choisinn  e  an  cridhe 
le  gradh  is  coibhneas  ;  a'  buntainn  riu,  chan 
ann  mar  bhriiidean  na  machrach  ach  mar 
dhaoine  a  bha  air  an  cruthachadh  ann'  an 
iomhaigh  Dhe,  agus  a  bha  cosmhuil  ris  fein  'n 
an  aigne. 

Tha  H.  M.  Stanley  a  chaidh  air  a  thoir  an 
uair  a  bha  e  air  a  chall  do'n  t-saoghal  fad 
bhliadhnachan  ann  an  cridhe  Africa,  agus 
eagal  air  daoine  nach  robh  e  beo,  ag  innseadh 
anns  an  leabhar  a  sgriobh  e  m'a  thurus,  mu 
chagarsaich  a  chual  e  eadar  na  companaich 
dhubha  a  bha  comhla  ris  fein  agus  na  com- 
panaich a  bha  comhla  ri  Daibhidh  Mac  An- 
Leigh  ;  agus  tha  e  ag  radh  gu'n  do  chuir  na 
chual  e  naire  air.  Choimeas  iad  sinn,  ars'  esan, 
r'a  cheile,  agus   dh'   aontaich  iad  nach  robh 


Buan-mhairidh  gradh  air  feadh  gach  linn, 
Ach  sguiridh  creideamh  's  diiil; 
'Se  gradh  a  ghluaiseas  sinn  gach  linn, 
A  sheinn  do  Righ  nan  dul. 

annam-sa  ach  duine  dona  laimh  ris  an  fhear 
eile.  Thubhairt  mo  sheirbhiseach  fein  ri 
each,  "  Tha  'ur  maighstir-sa  'na  dhuine  maith, 
'n  a  dhuine  fior  mhaith  ;  tha  a  chridhe  geal  is 
blath,  agus  cha  bhi  e  'g  ur  bualadh  ;  ach  tha 
ar  maighstir-ne  cruaidh,  agus  cho  teth  ri  teine." 

Cha  robh  duine  d'a  dhaoine  fein  dliith  do 
Dhaibhidh  Mac  An-Leigh  an  uair  a  thainig 
a'  chrioch  air.  Bha  an  spiorad  toileach  ged  bha 
a  bhodhig  lag,  agus  lean  e  aif  a  thurus  gus  nach 
b'  urrainn  e  seasamh  air  a  chasan  le  pian  is 
laigse. 

Ach  dh'  eiridinn  Susi  agus  Cumah  e  le 
lamhan  caomhail ;  fhuair  e  gach  aire  agus 
comhfhurtachd  a  b'  urrainn  iad  a  thoirt  da, 
Cheangail  iad  buird  fhiodha  r'a  cheile,  is  chuir 
iad  'na  shineadh  e  air  leabaidh  fheoir  air  na 
biiird.  Ghroch  iad  an  leaba  sin  ri  cabar  laidir 
agus  chuir  iad  air  an  guaillibh  i  ;  mar  sin 
ghiiilain  iad  e  air  a  thurus  fad  mhoran  laithean. 

Cha  robh  an  t-slighe  soirbh  ;  bha  an  diithaich 
air  a  bathadh  le  uisge  ;  agus  bhiodh  iad  air 
uairean  fodha  gu  ruig  an  cruachan  fad  an 
latha.  Bha  teas  na  greine  deuchainneach, 
agus  chroch  iad  plaide  ris  a'  chabar,  a  chumail 
na  greine  o  aodann. 

An  uair  a  chunnaic  iad  gu  robh  a'  chrioch 
dliith  agus  nach  b'  urrainn  daibh  a  ghiulan  gun 
a  ghortachadh  thog  iad  bothan  beag  anns  am 
faigheadh  e  tamh.  Rinn  iad  leaba  dha  le 
biorain  is  feur,  agus  chuir  iad  am  bocsa  chun- 
gaidhean  ri  thaobh.  Shiubhail  e  an  oidhche 
sin,  air  a  ghliiinean  ag  iirnuigh.  B'e  na  briathran 
mu  dheireadh  a  sgriobh  e,  "  Beannachd  Dhe 
do  neach  air  bith,  Breatunnach  no  Turcach,  a 
leighseas  truaighean  is  creuchdan  Africa." 

Anns  a'  mhaduinn  chuir  a  sheirbhisich  an 
comhairle  r'a  cheile  ciod  a  dheanadh  iad  r'a 
chorp.  Dh'  aontaich  each  le  Susi  agus  Cumah 
gu'n  cuireadh  iad  dhachaidh  do  Shasunn  e. 
Dh'  fhosgail  iad  e,  is  thiodhlaic  iad  a  chridhe 
aig  bun  craoibhe.    Thiormaich  iad  a  chorp  anns 


lAmHAN  DILEAS— A'  FEITHEAMH  GUS  AN  TIG  E 


a'  ghi'ein  fad  cheithir  I4  deug,  'ga  shuathadh 
le  salami  is  branndi,  agus  an  sin  phaisg  iad  ann 
an  aodach  e.  Air  uachdar  an  aodaich  chuir 
iad  rusg  craoibhe  ;  cheangail  iad  an  corp  ri 
cabar  ;  agus  chuir  iad  an  aghaidh  air  a'  chladach, 
'ga  ghiiilan  ntia  seach  air  an  guaillibh. 

Bha  an  t-astar  fada  agus  an  t-slighe  duilich; 
bha  iad  coit  agus  mile  de  mhiltean  o  bhaile- 
puirt  (cha  robh  iad  ann  uile  gu  leir  ach  ochdnar), 
ach  ged  bha  an  t-astar  mor  bha  an  gradh  na 
bu  mhotha.  Fad  naoi  miosan  ghiiilain  iad  e 
thar  aibhnichean  agus  thar  mhonaidhean, 
troimh  choiltean  is   bhealaichean,  am  measg 


threubhan  do  nach  robh  maith  dhaibh  innseadh 
ciod  a  bha  iad  a'  giiilan,  gus  an  do  liubhair  iad 
e  d'a  dhaoine  fein  ann  an  Zansibar,  far  an  do 
chuireadh  air  bord  luinge  e  gu  Sasunn. 

A  bheil  gniomh  eile  ann  an  eachdraidh  an 
t-saoghail  a  ghabhas  cur  air  thoiseach  air 
gniomh  nan  daoine  gaolach  ud  ?  Air  uachdar 
na  h-uaighe  aig  Daibhidh  Mac  An-Leigh  an 
Abaid  Westminster,  far  a  bheil  e  air  adhlaiceadh 
maille  ri  righrean  is  maithean  na  tire,  tha  na 
facail  so  air  an  gearradh  air  a'  chloich. 
Air  a  thoirt  le  lamhan  dileas 
Thar  muir  is  tir. 


A'  Feitheamh  Gus  an  Tig  E 


THA  mise  feitheamh  h-uile  tiota, 
Gus  an  tig  e  air  mo  thoir  ; 
Air  a  ehaithris  gus  an  tig  e, 

Chum  gu  faigh  e  mi  air  doigh  : 
Gu  dhol  leis,  mar  eun  air  iteal, 

Suas  gu  h-ard  os  cionn  na  neoil, 
Air  sgiathaibh  luath  a'  ghraidh  's  a'  chreidimh, 
'Stigh  do  chuirtibh  naomh  a  ghloir. 

Thuirt  e  rium  gur  e  a  thigeadh, 

Ann  an  tiota  air  mo  thoir  ; 
Is  tha  mi  creidsinn  h-uile  lide, 

Thuirt  e  rium — 's  ann  dhomh  bu  choir — 
Oir  riamh  cha  d'thuirt  e  facal  idir, 

Nach  robh  f  irinneach  gu  leor ; 
Is  gheall  e  dhomhs'  gur  e  a  thigeadh, 

Ann  am  priobadh  air  mo  thoir. 

Tha  fios  agam  nach  'eil  mi  airidh, 

Air  gu'n  aidicheadh  e  mi, 
No  gu'n  tigeadh  e  ga'm'  fharraid, 

'S  mi  cho  neonach  gun  bhrigh  ; 
Tha  fios  agana  gu  bheil  mi  salach, 

Ann  a'  faireachadh  mo  chridhe, 
'S  nach  deach'  nadur  grannd  a'  pheacaidh, 

Th'air  mo  shiubhal,  uile  chlaoidh. 

Tha  fios  agam  gu  bheil  mi  peacach — 

Agus,  och,  's  ann  orm  tha  bhuil — ■ 
Ach's  aithne  Dh^san  tha  ga'm  fhaicinn, 

Air  son  sin  gur  trie  mi  gul ; 
Ach  cha  dean  mo  dheoir  a  ghlanadh, 

Ged  a  shruthadh  iad  mar  thuil, 
Is  e  doigh  is  solas  m'anam 

Gu'n  deach'  mo  ghlanadh  leis  an  fhuil. 

Tha  mo  shiiilean  trie  a'  sileadh, 

'S  tha  mo  chridh  air  call  a  threoir, 
Ach's  e  mo  sholas'nuair  a  thig  e, 

Gu'n  siab  e  fhein  air  falbh  mo  dheoir  ; 
Is  le  lathaireachd  ghraidh  a  Spioraid, 

Gu'n  toir  e  solus  dhomh  is  deo, 
'S  gu'n  toir  e  leis  mi  far  a  bheil  e, 

Shuas  OS  cionn  gach  sgail  is  ceo. 


Dh'  aithne  e  dhomh  a  bhi  gun  eagal, 

Ach  bhi  creidsinn  ann  an  Dia, 
Oir  gu  cinnteach  gu  bheil  aig-san 

Aite-comhnuidh  farsuinn  breagh, 
Anns  an  tionail  e  a  chuideachd, 

Sona,  samhach,  fo  a  sgiath, 
Far  am  bi  iad  uile  cuideachd, 

'S  far  a  meal  iad  gloir  an  Triath. 

Is  e  mo  ghuidh  gu'n  dean  a  Spiorad 

Teine  lasadh  'na  mo  chom, 
A  loisgeas  suas,  mar  fhraoch  air  fireach, 

No  mar  chonnadh  seargt  air  torn, 
A  h-uile  smuain  mhi-naomh  is  iodhal, 

Gus  am  bi  mo  choguis  lorn, 
Riiisgte,  glan,  is  naomh  is  ionraic  ; 

'S  a  ni'm  peacadh  dhomh  mar  dhom. 

O,  gu'm  bi  mo  spiorad  uUamh, 

Air  a  ghreiseadh  mar  le  h-or, 
Is  air  eideadh  leis  a'  chulaidh 

'S  cubhaidh  do  a  mhuinntir  choir  ; 
Le  mo  lochran  air  a  lasadh, 

Agus  ola  'na  mo  stor, 
Gu  dhol  stigh  leis  gus  an  t-suipeir, 

'Nuair  a  thig  e  air  mo  thoir. 

Alasdair  MacRatii. 


Air  do  dh'iighdar  an  dain  so  a  bhi  turns 
a'  tadhal  air  a  mhathair  agus  i  air  leabaidh  a 
bais  dh'fheoraich  e  cia  mar  a  bha  i.  Fhreagair 
i,  "  Tha  mise  air  m'fhagail  an  so,  feitheamh 
h-uile  tiota  gus  an  tig  e  air  mo  thoir."  Thuit 
na  briathran  air  a  chluais  le  ceol,  agus  air  a 
chridhe  le  teodhadh,  agus  dh'eirich  na  rainn 
fa  chomhair  inntinn.  Tha  iad  a  nis  air  an  cur 
a  mach  mar  chuimhneachan  oirre,  agus  an 
dochas  gu'n  cuidich  iad  creutairean  grasmhor 
a  dh'fhaodas  a  bhi  mar  a  bha  ise,  feitheamh 
gus  an  tig  e. 


Air 


7 


93 


La  na  Ceisd  an  Garrabost 


BHA  Sacramaid  Suipeir  an  Tighearna  air  a 
frithealadh  an  coimhthional  Gharraboist, 
an  Leodhus,  air  a'  cheud  Sabbaid  de  mhios 
deireannach  an  Earraich.  Bha  comh-chruin- 
neachadh  mor  a  lathair  air  gach  la  de  'n  Ordugh, 
as  gach  cearn  de'n  eilean,  agus  as  na  h-Earradh. 
'S  e  coimhthional  blath  beathail  a  bha  so,  agus 
tha  durachd  agus  dilseachd  an  t-sluaigh  'na 
neirt  's  'n  a  nihisneachd  do'n  Mhiriisteir,  an 
t-urr.  Lachlainn  MacLeoid.  Air  Di-haoine, 
la  na  ceisd,  thug  Ruairidh  MacIUeathain  a  mach 
mar  bhonn  co-labhairt,  Eph.  ii.  1,  "agus 
sibhse  a  bheothaich  e,  a  bha  marbh  an  euceai'- 
taibh  agus  ann  am  peacaidhean."  Dh'  iarr  e 
comharraidhean  air  a'  nihuinntir  a  thugadh  beo 
leis  an  Spiorad,  eadar-dhealaichte  uapason 
anns  nach  'eil  ach  beothalachd  nadurra  agus 
mar  an  ceudna  cuid  de  na  ceumannan  'san 
obair  mhor  so. 

Dh'fhosgail  am  fear-sgriobhaidh  a'  Cheisd 
gu  h-aithghearr,  a'  deanamh  luaidh  air  an 
atharrachadh  a  bha  fillte  suas  an  so,  agus  air 
cho  cunnbhallach  's  cho  coimhlionta  's  a  bha 
saothrachadh  grais  air  an  anam.  Labhair  an 
sin  naoi  duine  deug  gu  pongail  driiighteach. 
Bu  shuilbhir  tlachdmhor  an  fhianuis  a  thug  iad 
seachad  air  na  rinn  an  Tighearna  do  'n  anam. 
So  beagan  dhe  na  thubhairt  iad  : 

Tormad  Maclomhair,  Misionaraidh  Scalpaidh. 

Tha  beannachd  aig  m'anam  o  na  briathraibh. 
Chan  e  an  obair  fhein  air  a  bheil  iad  so  a' 
leagadh  an  dochais.  'S  e  an  dochas  as  mo  's  an 
t-aobhar  gairdeachais  as  mo  gur  e  obair  Dhe 
a  th'ann.  -Rinn  e  aithnichte  dhaibh  am  falamh- 
achd.  Chan  'eil  gin  dhiubh  nach  bi  crochadh 
an  ciiisean  gu  leir  air  saor-ghras  Dhe.  Tha 
cliii  Chriosd  mor  dhaibh.  Tha  iad  ag  iarraidh 
a  lathaireachd  agus  a'  fas  na's  taingeile  a' 
h-uile  la. 

Fionnladk  Caimheul  a  Nis. 

Tha  da  ni  sonraichte  mu'n  mhuinntir  so  : 
An  ni  a  bha  iad  agus  an  ni  a  tha  iad.  Chaidh  a 
shealltainn  dhaibh  gum  bi  iad  marbh  gus  am 
bi  iad  air  an  aonadh  i-i  Criosd.  Cho-dhuinn  iad 
nach  robh  trocair  an  Dia  dhaibh.  Ach  thainig 
Criosd  d'an  ionnsaigh  mar  Fhear-sfioraidh,  ag 
radh  mar  ris  na  deisciobuil,  air  an  tonn-luasgadh 
air  a'  mhuir,  "  Biodh  deagh  nihisneachd  agaibh" 
asjus  bha  feadh  ann.  Tha  iad  a'  leiffheadh  an 
dochais  air  trocair  Dhe.  Coltach  ris  an  t- 
Salmadair,  tha  creidimh  aca  'san  darna  laimh, 
agus  iirnuigh  'san  laimh  eile.  Chan  'eil  a'  h-aon 
diubh  nach  d'thainig  Criosd  gu  bhi  luachmhor 
dha. 


Ruairidh  MacSuain  a  Scalpaidh. 

Bha  iad  so  marbh  a'  tighinn  a  stigh  do'n 
t-saoghal.  Ach  bha  iad  a'  cleachdadh  misneachd 
do  bhrigh  gu  bheil  iad  air  am  filleadh  a  steach 
'san  fhacal  "  sibhse."  Tha  dochas  aca  gu  bheil 
iad  air  am  beothachadh.  Tha  gradh  aca  do 
shluagh  an  Tighearna  nach  robh  aca  riamh. 
Tha  iad  ag  iarraidh  a  bhi  air  am  beothachadh 
gach  la. 
Padruig  Domhnallach  a  Stebrnabhagh. 

Tha  an  t-eolas  so  iongantach,  an  t-eadar- 
dhealachadh  staid  a  bha  aca  so.  Tha  obair  an 
Spioraid  diamhair,  miorbhuileach  agus  sinne 
cho  aineolach.  Nuair  a  tha  an  Spiorad  a' 
deiligeadh  ris  an  anam  tha  cuisean  an-shocrach 
aige.  Ach  tha  fois  mhilis  agus  mhaith  a' 
tighinn  ann  an  doigh  nach  robh  diiil  aige.  Bha 
mi  anabharrach  deigheil  air  siigradh  an  t- 
s.aoghail,  air  an  lar-dhannsa  agus  anns  an  tigh- 
osda.  Ach  thoisich  mi  smaoineachadh  le 
iomnaidh.  agus  le  ciiram,  agus  dh'fhas  mi 
uamhasach  mi-chomh-fhurtail.  Dh'fhalbh  mi 
feadh  na  rioghachd  ag  iarraidh  soluis.  An  tigh 
mo  charaid  chaidh  mi  thairis  o  bhas  gu  beatha. 
Gloir  do  ainm  Dhe  ! 
Niall  Smith  a  Leurbost. 

Bha  iad  so  marbh  ach  tha  iad  beo.  Bha  iad 
caillte  ach  fhuaradh  iad.  Cha  robh  dad  uair 
eigin  agamsa  mu  mheadhonan  nan  gras.  Bha 
mi  na  bu  toilichte  'san  tigh-osda.  Ach  chaidh 
na  seann  nithe  seachad  :  rinneadh  na  h-uile  ni 
nuadh.  Tha  comharadh  soilleir  orm  fein  ;  tha 
an  Tighearna  na's  luachmhor  na  bha  e  riamh, 
thaobh  nan  nithean  o'n  do  chum  e  mi.  Aidich 
thusa  an  Tighearna.  Chan  'eil  duine  sam  bith 
ceart  mus  a  h-urrainn  e  aideachadh  gu  bheil  e 
'n  a  chriosduidh.  Car  son  a  tha  sibh  'g  a 
chleith  ?  Ma  chumas  sibh  a'  chtiis  agaibh  fein 
tha  sibh  a'  cur  call  oirbh  fein  's  air  an  aobhar. 
Coinneach  Dovihnidlach,  misionaraidh   Uidhist 

Deas. 

'S  e  suidheachadh  uamhasach  as  an  deachaidh 
iad  so  a  bhuntainn  saor.  Oir  cha  robh  neach  a 
riamh  nach  robh  grainn  agus  eagal  aige  ann  a 
bhi  ag  amharc  air  a'  bhas.  'S  e  an  dleasdanas 
agus  an  sochair  a  bhi  ag  aideachadh  mar  a  rinn 
Dia  do'n  anama.  Is  e  beagan  buannachd  a 
bheir  duine  do  aobhar  an  Tighearna  's  do  cho- 
chreutar  mur  tog  e  fianuis.  'S  iomadh  doigh  's 
a  bheil  an  tighearna  'g  a  f  hoillseachadh  fein  : 
Ach  tha  fios  agad  mar  a  choinnich  Criosd  riutsa. 
Is  e  diteadh  mor  a  tha  ann  ma  tha  thu  cumail 
air  ais  o  'n  fhianuis  troimh  naire.  Tha  esan  a' 
toirt  misneachd  do'n  mhuinntir  a  tha  lag.  Cha 
d'fhuair  mi  riamh  neart  gus   an  do  thog  mi 


2 


LA  NA  CEISD  AN  GARRABOST 


fianuis  fhollaiseach.  Feuniaidh  mi  bhi  'g 
aideachadh  gu  bheil  dearbh-chinnt  agad. 
Fhuair  thu  beothachadh  :  innis  sin  a  mach 
agus  bheir  e  neart  do  do  chridhe. 

Fionnladh  Smith  a  Arnol. 

Is  e  obaii'  an  Spioraid  Naoimh  a  tha  an  so. 
Tha  cuid  air  an  taladh  le  cumhachd  is  gradh  an 
t-soisgeil.  Tha  feadhainn  eile  a'faotainn  foill- 
sichithean  mora  agus  domhain  air  am  feuman. 
'S  e  cheisd,  chan  e  bhi  lorg  mar  a  thainig  sinn, 
ach  an  d'thainig  sinn  ?  Tha  a'  mhuinntir  a 
thig  beo  ann  an  daimh  ris  a'  mhuinntir  a  bha 
beo  a  cheana.  Tha  Criosd  luachmhor  dhaibh 
agus  a'  dol  na's  luachmhora.  Tha  mothachadh 
aca  air  truailUdheachd,  ach  's  e  spiorad  na 
beatha  a  tha  toirt  a'  mhothachaidh  sin  doibh. 
Tha  an  Spiorad  mar  an  ceudna  a'  foillseachadh 
Chriosd  dhaibh. 

Murchadh  MacLeoid  a  Balallain. 

"  Tha  carbaid  Dhe  'n  am  fichead  mil."  Tha 
feadhain  fo  dhiobhail  misnich  air  son  nach 
deachaidh  am  beothachadh  air  an  aon  doigh 
ri  muinntir  eile.  Tha  gu  h-araidh  farmad  aca 
ris  a'  mhuinntir  aig  a  bheil  fios  air  an  dearbh 
uair  agus  mhionaid  anns  an  deach  an  ioni- 
pachadh.  Ach  chan  'eil  aobhar  sam  bith  air 
son  so.  An  neach  air  a  bheil  acras  agus  tart  an 
deidh  fireantachd  chan  'eil  e  ceart  dha  bhi 
smuaineachadh  gu  bheil  e  marbh.  Theid  an 
obair  air  adhairt  gu  coimhliontachd.  Tha  Dia 
cunnbhalach  agus  ceart,  agus  cha  sgar  e  air  an 
taobh  thall  on  chuideachd  a  dh'iarr  thu  'san 
f  heoil.  Tha  e  mar  chomhar  orra  so  gu  bheil  iad 
reidh  ri  toil  an  Tighearna  a  dh'aindeon  cho 
doilich  's  a  dh'fheudadh  cuisean  a  bhi.  Tha  an 
lighiche  a  dortadh  beagan  a  iomadach  botul  air 
son  cungaidh-leighis  a  mheasgachadh  do'n 
duine  tha  tinn.  Mar  sin  tha  Dia  a'toirt  air  na 
h-uile  ni  a  bhi  ag  oibreachadh  an  ceann  a 
cheile  chum  maith  dhaibhsan  aig  a  bheil 
gradh  dha. 

Murchadh  MacLeoid  a  Uig. 

Thoisich  an  Tighearna  ag  oibreachadh  anna- 
inn  agus  dh'aithnich  mi  gun  robh  mi  marbh. 
Chunnaic  mi  mi  fein  a'  dol  fodha  an  uisgeachan 
domhain.  Threoraich  e  an  sin  mi  a  dh'ionnsaidh 
a'  chuspair  iongantaich  air  a'  chrann.  Bha 
cumhachd  graidh  agus  grais  tarruing  air  a  chur 
an  cleachdadh  do  mo  thaobh.  Tha  an  cuspair 
sonraichte  am  measg  na  bha  's  na  tha  a  fas  na's 
luachmhora  an  comhnaidh.  Tha  buaidh  na 
tarruing  a'  taladh  na  muinntir  so. 

Alasdair  Domhnallack  a  Nis. 

Chan  e  an  aon  doigh  a  tha  Dia  a'  gabhail  ris 
na  h-uile  dhiubh  so.  Cha  leig  sinn  a  leas  a  bhi 
'g  ar  cumadh  fein  ris  na  doighean  a  ghabh  e  ri 
muinntir  eile.  Cha  robh  iad  so  ag  iirnuigh  an 
uair  a  bha  iad  marbh.  Ach  shaor  lagh  spiorad 
na  beatha  ann  an  losa  Criosd  iad.     Thainiar 


solus  a  steach  do'n  anam.  Chunnaic  iad  gun 
robh  iad  caillte,  's  gur  e  muinntir  chaillte  a 
thainig  Criosd  a  dh'iarraidh.  Tha'n  fheadhainn 
a  thugadh  beo  ag  iarraidh  a  bhi  fo  sgail  na 
craoibhe,  far  a  bheil  biadh  is  deoch  dhaibh. 
An  fheadhainn  a  tha  mealtainn  na  ceud 
thoraidhean  tha  iad  ag  iarraidh  na's  mo  agus 
na's  mo.  'S  e  am  miann  gum  biodh  aobhar  an 
Tighearna  air  a  ghleidheadh  gun  oilbheum  agus 
gun  spot. 

Calum  Domhnullach  as  na  h-Earadh. 

An  uair  a  thainig  an  Spiorad  fhuair  iad  so  a 
mach  gur  ann  caillte  bha  iad  annta  fein.  Tha 
iad  a'  faicinn  nithean  'n  am  beatha  a  tha  cur 
teagamh  orra  aig  amannan  gu  bheil  iad  beo. 
Chan  'eil  iad  riaraichte  ach  leis  an  lanachd  a 
tha  anns  a'  chuspair  a  thug  iad  beo.  Cha  bhi 
iad  toilichte  mur  bi  iad  an  cuideachd  sluagh  an 
Tighearna.  Tha  an  inntinnean  agus  an  aig- 
nidhean  ris  a'  mhuinntir  a  tha  an  taobh  a 
muigh,  chum  's  gum  bi  iadsan  mar  an  ceudna 
air  am  beathachadh. 

Aonghas  Macaoidh  a  Habost. 

Tha  na  mairbh  air  an  toirt  beo,  oir  tha  fear 
an  graidh  air  buntuinn  ri'n  anam.  Bha  mi 
rag-mhuinealach,  ged  thug  an  Tighearna  ioma 
comharra  dhomh  gus  an  d'thainig;  mi  ffu  bhi 
striochdadh.  Tha  a'  mhuinntir  so  an  sas 
'san  Tighearna  air  son  an  anama  fein  agus 
anama  an  co-pheacach.  Tha  e  'na  chomhar 
dhuit  gu  bheil  fios  agad  c6  chuideachd  as 
tlachdmhora  leat.  An  uair  a  chi  thu  daoine  's 
a'  choinnimh  iirnuigh  tha  sud  a'  foillseachadh 
gu  bheil  gluasad  ann.  Tha  tlachd  aca  so  an 
tigh  Dhe  's  'n  a  shluagh,  agus  's  na  h-uile  ni  a 
bhuineas  dha.  Car  son  nach  seas  thu  mach  air 
taobh  Fir  do  ghraidh  ?  Chan  'eil  airidheachd 
annad  ach  tha  airidheachd  annsan.  Tha 
dochas  aca  so  annsan  air  son  na  siomuidheachd. 

Tormad  Domhnullach  a  Stebrnabhagh. 

Tha  so  'n  ceisd  da-riribh  do'n  fheadhainn  a 
dh'fhosgail  Dia  an  siiilean.  Chan  'eil  cumhachd 
a  bheir  daoine  beo  ach  cumhachd  nach  buin  do 
dhaoine.  Tha  cuid  dhiubh  so  nach  'eil  cho 
laidir  ri  each.  Chan  urrainn  na  h-uain  iomadach 
slochd  a  leum  a  leumas  na  caoirich,  ach 
giiilanaidh  am  buachaill  iad  n  a  uchd.  'Se  iad 
f hein  a  fhuair  a'  mhuinntir  so  mun  d'  fhuair  iad 
ni  sam  bith  eil  Thainig  am  Mac  Strothail  d'a 
ionnsaigh  fein  mu's  do  thill  e  dhachaidh.  'S 
ann  niar  so  a  chuireas  sinn  meas  air  Uan  De. 
Chunnaic  mi  gun  robh  mi  dubh  a  chionn  gun 
d'eirich  a'  ghrian  orm.  Tha  an  t-anam  ag 
iarraidh  a  bhi  'g  a  cheasnachadh  fein.  Aon 
chomhar  :  cha  ghluais  an  duine  marbh,  ach 
cluinear  osna  aig  an  anam  bheo.  So  a'  cheisd  : 
ciod  i  do  bharail  mu  thimchioll  Chriosd  ? 
Co  a  b'fhearr  leat  a  bhi  riaghladh  'n  ad  bheatha? 
An  e  losa  'n  a  aonar  ? 


LA  NA  CEISD  AN  GARRABOST— SGRIOB  DO  THIR  A'  GHEALLAIDH     3 


Uilleam  Domh?iullach  a  Nis. 

An  uair  a  thugadh  beo  iad  so  thainig  gair- 
deachas  agus  aoibhneas  a  steach.  Tha  so  cur 
iongantas  air  a'  h-uile  neach  dhiubh,  ciod  a 
chunnaic  an  Tighearna  annamsa  ?  Bha  e  'n 
a  bhuaireadh  dhonih  nach  d'fhuair  mi  dusgadh 
garbh  cosmhail  ri  cuid.  Ach  tha  feadhainn 
eile  ami  a  thoisich  ag  iarraidh  Dhe  o'n  oige. 
Chan  'eil  e  gvi  deifir  gu  de  a'  cheart  doigh  ;  'S 
e  am  priomh  ni  gun  aobharaichear  ar  cridhe. 
Na  biodh  naire  air  duine  sam  bith  air  son  an 
Tighearna  aideachadh  ach  biodh  naire  air  nach 
aidich  e  e. 

Lachlainn  MacLebid  as  na  h-Earradh. 

Fhuair  a'  mhuinntir  so  mothachadh  air  an 
staid.  Ghluais  so  iad  gu  bhi  'g  iarraidh  beatha. 
Tha  iarrtus  orra  nach  bi  iad  a  so  suas  beo 
dhaibh  fein,  ach  dhasan  a  dh'fhuihng  am  bas  air 
an  son.  Tha  iad  ag  amharc  ris  a'  chuspair  a 
bhios  a'  tarruing  puinnsein  a'  pheacaidh  a  mach 
as  am  beatha.  Bha  mi  fada  frithealadh  nam 
meadhonan  ach  cha  do  rinn  e  feum  dhomh. 
Ghleidh  an  Tighearna  mi  tre  mhoran  ghabh- 
aidhean,  gidheadh  bha  mi  mi-churamach.  Mu 
dheireadh  chaidh  mo  chur  gu  cabhag  tre  aisHng 
na  h-oidhche,  's  cha  d'fhuair  mi  fois  no  tearuin- 
teachd  gus  an  do  dhruid  mi  ri  Criosd. 

Aonghus  MacLebid,  Misionaraidh  Stebrnahhaidh, 
Cha  dhealaichinn  ri  mo  ghradh  do  Chriosd 
air  son  ni  sam  bith  a  chunnaic  mi  riamh.  Chan 
'eil  cail  a  dh'fhios  agam  c'iiin  a  thugadh  beo  mi, 
ach  tha  fhios  agam  gun  deachaidh  mo  thoirt 
beo.  Tha  eadar-dhealachadh  doigh  deiUgidh 
aig  Dia.  'Se  a  cheisd  :  De'n  cuspair  ris  a  bheil 
ar  suil  ?  Chan  fheud  sinn  a  bhi  steidheachadh 
ar  n-anam  air  fairidhchidhean.  Gu  trie  an 
comhar  as  soilleire  a  tha  an  Tighearna  faicinn 
oirnn  is  e  sin  a  tha  'g  aobharachadh  dhuinn 
trioblaid. 

Iain  MacSuain  as  na  h-Earradh. 

Bha  an  Tighearna  a'  stri  rium  am  oige.  Maith 
dh'fhaoidte    nach     'eil    mothachadh     aig    an 


oigridh  gu  bheil  an  Tighearna  a'  strith  riii. 
Tha  so  'n  a  chomhar  air  daoine  chaidh  a 
bheothachadh.  Tha  eagal  orra  a  bhi  goir- 
teachadh  nan  uan.  Tha  iad  ag  iarraidh  bhi 
coiseachd  an  slighe  Chriosd.  Tha  iad  a'  dol  o 
cheum  gu  ceum  a'  cuideachadh  a  cheile  air  an 
t-slighe  gu  gloir.  Bha  toil-inntinn  agam  uair 
eigin  an  siigradh  an  t-saoghail,  ach  cha  toirinn 
aon  mhionaid  de'n  t-siigradh  spioradail  a 
bh'agam  a  nis  air  son  a  h-uile  toil-inntinn  is 
fearas-chuideachd  a  bha  agam  a  roimhe. 

Domhmdl  Domhnullach  as  na  h-Earradh. 

An  ni  is  mo  's  is  priseile  am  frithealaidhean 
an  Tighearna  de'n  t-sluagh,  chan  'eil  e  an 
sealladh  an  t-saoghail  idir.  Tha  prionnsapal 
nuadh  dara  naduir  air  a  ghintinn  anns  an  duine. 
Chan  'eil  e  an  crochadh  idir  air  mar  a  bhios  an 
duine  fhein  a'  dol  suas  agus  sios.  A'  h-uile 
neach  de  shluagh  an  Tighearna  tha  e  gluasad 
do  bhrigh  gu  bheil  e  beo.  An  Tighearna  a 
thoisich  an  obair  bheir  e  buaidh  a  mach  dha 
fein.  Bithidh  iad  so  air  am  beothachadh  's  air 
an  uisgeachadh.  Tha  iad  ag  iarraidh  an  am 
'sam  bi  na  h-uile  air  an  tionndadh  ri  Criosd. 

Iain  Moireastan  as  na  h-Earradh. 

Tha  a'  mhuinntir  so  a'  gradhachadh  a  cheile. 
Tha  iad  air  an  aonadh  mar  bhraithrean  ann  an 
Criosd.  Is  e  so  an  comhar  a  tha  mi  ag  iarraidh 
a  bhi  faicinn  annam  fhein  pus  a  bhi  's  am 
mhisneachadh  gu  bheil  gradh  agam  do  shluagh 
an  Tighearna. 

Dhiiin  an  t-Urr.  .Murchadh  mac  Aoidh, 
Ministeir  Bharbhais  a'  cheisd  ann  am  briathran 
tlachdmhor,  tomadach.  Nochd  e  gur  e  Criosd 
an  dual  as  luachmhora  a  tha  ceangal  nan 
daoine  so  ri  Dia.  Chan  fhaigh  an  uaigh  a  ris 
esan  agus  annsan  tha  iasan  a'  buadhachadh  a 
ris  thairis  air  a'  bhas.  Fairichidh  a'  mhuinntir 
bheo  a  bheatha  a  tha  annta.  Tha  iad  coisrigte 
do  Dhia. 

Chaidh  an  sin  an  t-seirbhis  a  chriochnaehadh. 
A.  S.  Moireastan, 


Sgriob  do  Thir  a'  Gheallaidh 


DH'  iarrainn  cunntas  ghoirid  a  thoirt  do  ar 
leughadairean  air  sgriob  a  thug  mi  o  chionn 
ghoirid  do  dhuthaich  Phalestin.  Tha  miltean 
as  gach  cearn  de  'n  t-saoghal  a'  dol  air 
chuairt  do  'n  tir  so  gach  bliadhna.  Tha  aobhar 
a  bhi  creidsinn  gu  bheil  moran  iodhal-aoraidh 
agus  fein-fhh-eanteachd  co-cheangailte  ri  cuid 
de  na  turasan  so.  Ach  gidheadh  tha  e 
iomchuidh  agus  ceart  gu'm  biodh  speis  shon- 
ruichte  aig  daoine  do'n  tir  so,  agus  gu'm  bu 
mhath  leo  amharc  le'n  siiilean  air  tir  air  am 
beil  iomradh  glormhor  againn  anns  na  Sgriob- 
turan ;  gu'm  biodh  aca  ri  radh,  "  Mar  chual 
is   amhluidh   a  chunnaic  sinn   am  baile   Riah 


nan  sluagh."  Tha  an  tir  so  iomraideach, 
am  measg  aobharan  eile,  air  son  gu  robh 
Abraham,  Isaac,  agus  lacob,  air  chuairt  innte  ; 
gu  robh  na  righrean  Daibhidh  agus  Solamh  a' 
rioghachadh  an  sin ;  gu  robh  na  faidhean  agus 
na  h-abstoil  a'  teagasg,  agus  gu  sonruichte  gu 
robh  an  Slanuighear  losa  Criosd  a'  saothra- 
chadh  innte  re  laithean  fheola  air  an  talamh. 
Cha  bhiodh  e  iongantach  uime  sin  ged  bhiodh 
e  fior  an  ni  tha  sgriobhta,  "  Tha  do  sheirbhisich 
a'  gabhail  tlachd  'n  a  clachaibh  ;  tha  deagh  rim 
aca  d'  a  luaithi'e." 

Air    an    aobhar    sin    bha   mi   toilichte   gu'n 
d'  fhuair  mi  an  cothrom  air  an  Tir   Naomh 


SGRIOB  DO  TIIIR  A'  GHEALLAIDH 


fhaicinn  le  mo  shuilean.  Bha  mu  thimchioll 
ceud  gu  leth  againn  air  an  turus  ;  dithis 
dhiubh  as  a'  Ghaidhealtachd  air  an  I'obh  mi 
eolach,  agus  a  bha  'nan  dltith-chompanaich 
dhomh  air  an  t'  slighe,  Mghr.  Mac  Illinnein, 
Ministear  Chinn-taile,  agus  an  Dotair  Fearchar 
Mac  Rath  a  Gleann-seile. 

Dh'  f hag  sinn  Liinnainn  air  Di-mairt,  an  treas 
la  de'n  Mhart,  agus  chaidh  sinn  air  tir  ann  am 
Boulogne  's  an  Fhraing  air  an  fheasgar  sin  fein. 
Ghabh  sinn  ar  turas  o  sin  air  tir  gu  Mai'- 
seilles,  baile  ann  an  taobh  a  deas  na  Frainge,  a 
rainig  sinn  madainn  an  ath  la,  Di-ciadainn. 
An  sin  chaidh  sinn  air  bord  na  luinge  Theo- 
phale  Gautier,  long  mhaiseach  agus  cho- 
mhfhurtail.  An  uaii-  a  dh'eirich  sinn  air 
maduinn  Diardaoin,  an  coigeanih  la  de'n 
Mhart,  bha  an  long  a'  seoladh  dltith  air  eilean 
Chorsica,  aite  breithe  Napoleon  Bonaparte. 
An  sin  ghabh  i  seachad  tre  chaolas  Buoni- 
faccio  gus  fa  dheoidh  an  do  chaill  sinn  sealladh 
air  tir  ann  am  meadhoin  a'  Chuain  Mhoir 
(Mediterranean)  air  la  aluinn  grianach.  Air  an  ■ 
ath  la,Di  h-aoine,chuir  sinn  seachad  la  taitneach 
eile  air  bord  na  luinge  a'  seoladh  dliith  air  na 
h-eileanan  Lipari.  Chunnaic  sinn  a'  bheinn 
Strumboli,  corr  is  tri  mile  troigh  a  dh' 
airde,  smuid  cheo  ag  eirigh  as  a  mullach 
agus  tighean  neonach  aig  bonn  na  beinne 
lamh  ris  an  traigh.  Ghabh  sinn  seachad  tre 
chaolas  Messina,  eilean  Sicily  air  an  laimh  dheis, 
am  baile  Messina  laimh  ris  an  traigh,  agus  na 
beanntan  ard  a'  togail  an  cinn  coltach  ris  na 
beanntan  againn  fhein  anns  a'  Ghaidhealtachd. 

Air  maduinn  Di  Sathuirne,  an  t-seachdamh 
la,  chaidh  sinn  air  tir  ann  an  eilean  Mhalta 
(Melita).  Chaith  sinn  beagan  uairean  ag 
amharc  air  earrainnean  de  'n  eilean.  Chun- 
naic sinn  Loch  Phoil  (Pemlos  Bay),  far  an 
deachaidh  Pol  agus  a  chompanaich  air  tir  air 
an  turas  gus  an  Roimh.  Tha  an  t-eilean  so 
fo  riaghladh  Bhreatuinn,  agus  chunnaic  sinn 
cuid  de  na  luingeas-chogaidh  againn  anns  a' 
phort. 

Chaidh  sinn  a  ris  air  bord  anns  an  fheasgar,  O 
fheasgar  Di-Sathuirne  gu  niaduinn  Di-Mairt, 
an  deicheamh  la  de'n  mhios,  bha  sinn  air  an 
t-slighe  o  Mhalta  gu  ruig  Alexandria  anns  an 
Eiphit.  Air  la  na  Sabaid  shearmonaich  Dean 
Inge  air  bord  na  luinge.  Air  maduinn  Di- 
Mairt,  mar  thuirt  mi,  rainig  sinn  Alexandria  far 
an  deachaidh  sinn  air  tir,  agus  ghabh  sinn  ar 
turas  o  sin  gu  ruig  Cairo,  baile  mor  na  h-Eiphit 
anns  am  beil  fagus  air  muillean  luchd-aitea- 
chaidh.  Dh'  fhan  sinn  anns  a'  bhaile  so  o 
fheasgar  Di-Mairt  gu  maduinn  Di-haoine. 
Chunnaic  sinn  iomadh  ni  iongantach  re  na 
h-iiine  so,  inar  bha  na  Pyramidean,  an  Sphinx, 
ionmhasan  uaigh  an  Righ  Tutankhamen,  a  tha 
air  an  tasgaidh  anns  a'  Mhuseum,  abhainn 
na  h-Eiphit  (the  Nile),  agus  moran  de  nithean 


eile  nach  urrainn  sinn  ainmeachadh  fa  leth. 
Air  maduinn  Di-h-aoine  ghabh  sinn  ar  turas  o 
Chairo  gu  ruig  Port  Said  far  an  deachaidh  sinn 
air  bord  na  luinge  a  bha  feitheamh  ruinn  aig  a' 
phort  so.  Sheol  sinn  o  sin  gu  ruig  laffa,  a 
rainig  sinn  air  madainn  Di-Sathuirne  an 
ceathramh  la  deug  de'n  mhios.  B'  e  ainm  an 
aite  so  o  shean  lopa  a  tha  air  ainmeachadh 
gu  trie  anns  na  Sgriobtuirean.  Tha  e  air  aithris 
mu  lonah  gu'n  deachaidh  e  sios  gu  lopa  a 
ghabhail  luing  a  sin  gu  Tarsus.  So  far  an  do 
thog  Simon  Peadar  Dorcas  o  na  mairbh,  agus 
anns  an  do  ghabh  e  tamh  iomadh  la  maille  ri 
Simon  araidh,  fear-deasachaidh  leathair.  Tha  ar 
n-eaglais  a'  cumail  teachdaire  soisgeulach 
(Missionaiy)  anns  a'  bhaile  so,  Mr.  Robertson. 
Choinnich  esan  Mr.  Mac  Illinnein  a  bha  gu  tamh 
anns  a'  bhaile  air  an  t-Sabaid  comhla  r'a  mhac 
a  bha  'na  lighiche  ann  an  so.  Thug  e  do'  n 
sgoil  Shabaid  e  far  an  cual  e  a  chlann  a'  seinn 
anns  a'  chainnt  Arabianach  cuid  de  na  laoidhean 
againn,  mar  bha  "  lesus  loves  me,  this  I  know.'.' 
Mar  sin  air  dheireadh  thall  bha  ar  casan  air  an 
Tir  Naomh,  an  tir  air  an  do  dh'  amhairc  Maois 
le  leithid  de  thlachd  o  mhullach  beinn  Nebo. 

Cha  luaithe  bha  sinn  air  tir  na  ghabh  sinn  ar 
n-aite  anns  na  carbadan-ola  (motor  cars)  a  bha 
feitheamh  ruinn  ann  an  so  gu  ar  toirt  suas  gu 
lerusalem  a  bha  corr  agus  da  fhichead  mile 
an  ear-dheas  o  so.  Bha  a'  cheud  earrann  de 
ar  turas  tre  chomhnard  Sharoin  a  bha  'na 
fhearann  torrach,  agus  air  a  dheagh  aiteachadh. 
Am  measg  measan  eile  a  tha  fas  ann  an  so  tha 
na  h-oransearan  as  fearr  air  thalamh.  Bha 
chuid  mu  dheireadh  de'  n  turas  tre  bheanntan 
ludea  a  bha  creagach  agus  Ian  de  chlach- 
an  aoil.  Chiteadh  caoraich  agus  gobhair  ag 
ionaltradh,  daimh  a'  treabhadh  anns  na  h-ach- 
aidhean,  agus  camhalan  a'  giulan  uallaichean 
mar  bho  shean,  agus  muileidean  gu  leoir. 

Rainig  sinn  lerusalem  ann  an  teamhar  mhath 
an  deidh  turas  taitneach  anns  na  carbadan. 
Chuir  sinn  suas  ann  an  Tigh  Osda  (The  Grand 
New  Hotel),  air  son  nan  tri  oidhchean  a  bha 
sinn  gu  bhi  anns  a'  bhaile,  Chaith  sinn  am 
feasgar  ag  amharc  air  cuid  de  sheallaidhean  a' 
bhaile  fo  threorachadh  luchd-iiiil.  "  Rachaibh 
mu  thimchioll  Shioin  Naomh ;  cuairtichibh  i 
maraon  "  Rinn  sinne  so  gu  litireil  aig  an  am 
so.  Chunnaic  sinn  far  an  robh  sruth  Chedroin 
agus  lochan  Shiloam,  ait-adhlaic  righrean  ludah. 
Chitheadh  sinn  cho  fad  ris  an  taobh  an  lar  de 
amhainn  lordan  (trans.  lordania).  Chunnaic 
sinn  na  ludhaich  a'  caoidh  ri  taobh  a'  bhalla 
bhronaich  (the  Wailing  Wall).  Chaidh  sinn  a 
steach  do  eaglais  na  h-Uaighe  Naoimh  (The 
Church  of  the  Holy  Sepulchre).  Tha  iad  a' 
cumail  a  mach  gu  bheil  an  eaglais  so  air  a 
togail  air  larach  na  h-uaighe  anns  an  robh  an 
Slanuighear  air  adhlacadh.  Co  dhiu  tha  sin 
fior  gus  nach  'eil  tha  so  fior,  agus  is  e  firinn  as 


SGRIOB  DO  THIR  A'  GHEALLAIDH 


.5 


cudthromaiche,  "  Chan  'eil  E  ann  an  so  ;  dh' 
eirich  E."  Ah-  la  na  Sabaid,  an  coigeamh  la  deiig 
chaidh  sinn  toiseach  an  la  do  eaglais  na  h-Alba  ann 
an  Jerusalem  a  bha  air  a  togail  o  chionn  ghoirid 
anns  a'  bhaile  air  son  leas  ar  luchd  duthcha 
a  bhiodh  air  chuairt  ann,  agus  mar  an  ceudna 
buill  na  h-eaglais  Chleireach  a  tirean  eile.  Dh' 
fhosgail  an  t-Urr.  Dr.  Tormod  Mac  Illeathain 
.i  Duneideann  an  eaglais  air  a'  bhliadhna  so 
chaidh.  Chomanaich  sinn  anns  an  eaglais  as 
deidh  na  searmoin.  Bha  sinn  toilichte  gu'n 
d'fhuair  sinn  an  cothrom  air  bas  an  Tighearna  a 
chmifiail  air  chuimhne  anns  an  dearbh  bhaile 
anns  an  do  thachair  e.  An  deidh  ar  dineir 
chaidh  sin  gu  mullach  sliabh  nan  Crann-ola  agus 
o  sin  gu  Betlehem  far  an  do  rinn  sinn  aoradh 
anns  an  eaglais  a  tha  air  a  togail  air  larach  an 
stabuill  agus  na  prasaich  anns  an  robh  losa  air 
a  bhreith  (The  Church  of  the  Nativity).  Air 
Di-Luain  chaith  an  comunn  a'  cheud  chuid 
de'n  la  ag  amharc  air  earrannan  eile  de'n 
bhaile,  Garadh  Ghetsemane,  an  t  -  Slighe 
Bhronach  (Via  Dolorosa),  an  t-ionad  far  an 
robh  an  teampull,  ionad  air  nach  cuir  ludhach 
a  chas  air  eagal  gu'n  saltair  e  air  an  aite  anns 
an  robh,  "  An  t-ionad  bu  ro  naomh."  Air  an 
fheasgar  chaidh  iad  an  ear  cho  fad  ri  lericho 
agus  abhainn  Jordan  agus  a'  Mhuir  Mharbh. 

Air  Di-Mairt,  an  seachdamh  la  deug,  dh'fhag 
sinn  Jerusalem,  agus  chaidh  sinn  air  turas 
anns  na  carbadan  gu  ruige  Nasaret,  a  tha  mu 
cheithir  fichead  mile  tuath  air  Jerusalem.  Bha 
ar  slighe  d'a  ionnsuidh  tre  Judea  Samaria 
agus  taobh  deas  Ghalile.  Air  an  t-slighe  so 
chunnaic  sinn  moran  aitean  air  a  bheil 
iomradh  againn  anns  a'  Bhiobull,  Gibea 
Bheniamin,  Mispeh,  Ramah  Siloh,  Betel, 
sleibhtean  Gheridsim,  agus  Ebail,  agus  eatorra 
baile  Nablous  (Sechem  o  shean).  Ghabh  sinn 
tamh  aig  tobair  Jacoib,  ag  61  dibhe  as  an 
tobar.  Ghabh  sinn  tre  chomhnard  lesreel 
Esdraelon)  a'  faicinn  'san  dol  seachad  Samaria, 
sliabh  Ghilboa,  sliabh  Thaboir  (Beinn  a'  Chruth 
Atharrachaidh),  Sunem,  Neim  lindor,  Megiddo  ? 
Chunnaic  sinn  mar  an  ceudna  Dotem  far  an 
d'fhuair  Joseph  a  bhraithrean  ag  ionaltradh  an 
treudan. 

Rainig  sinn  baile  Nasaret  air  an  fheasgar, 
agus  chuir  sinn  suas  ann  an  so  air  son  da 
oidhche,  toilichte  bhi  anns  an  aite  sin  anns  an 
do  chaith  ar  Slanuighear  uiread  de  bhliadh- 
nachan  air  thalamh. 

Air  maduinn  an  ath  la,  Di-ciadaoin,  an  ochdamh 
la  deug,  chaidh  sinn  air  turas  anns  na  carbadan 
cho  fad  ri  Muir  Ghalile,  a'  gabhail  tre  Chana 
Ghalile,  a'  faicinn  na  beinne  anns  am  beil  e  air 
a  radh  gu'n  do  shearmonaich  Criosd  an  t- 
searmoin  air  a'  bheinn,  beinn  nam  Beannachdan 
(Mt.  of  the  Beatitudes).  Bha  ar  luchd-iiiil  s.' 
nochdadh  dhuinn  far  an  robh  Capernaum  aon 
uair     agus     ballachan     an     t-sionagoig,     ma 


dh'fhaoidhte,  a  thog  an  deagh  cheannard-ceud, 
agus  anns  an  do  shearinonaich  Criosd  mu 
aran  na  beatha  (Eoin  6)  Fhuair  sinn  ann  an  so 
an  sealladh  a  bu  taitniche  a  fhuair  sinn  idir ; 
muir  Ghalilee  fhein  ciiiin  agus  siochail  fo 
dhearrsadh  na  greine  coig  mile  deug  air  fad 
agus  aon  ochd  mile  air  leud.  Sliabh  Hermoin 
anns  an  airde  tuath  a'  togail  a  ceann  comh- 
daichte  le  sneachd,  abhainn  Jordan  a'  taomadh 
a  h-uisge  anns  an  loch  o  'n  taobh  tuath  agus 
a'  sruthadh  o  thaobh  deas  na  mara  gus  a  bheil 
i  a'  criochnachadh  anns  a'  Mhuir  Mharbh.  Air 
an  taobh  an  Ear  bha  duthaich  nam  Gadarach, 
Basan  agus  Gilead  an  t-Seann  Tiomnaidh 
Ri  taobh  na  slighe  air  an  do  shiubhail  sinn  bha 
lianagan  gorma  Ian  de  bhlathan  maiseach  agus 
cubhraidh.  Ach  is  e  gu  sonruichte  a  dh'fhag 
an  t-ionad  so  cho  taitneach  agus  priseil  'n  ar 
siiilean  gur  ann  an  so  a  dh'oibrich  ar  Slanuighear 
uiread  de  oibre  cumhachdach.  Air  dhomh  bhi 
gabhail  ceum  ri  taobh  na  mara  air  leam  gu 
robh  mi  faicinn  le  siiilean  m'  inntinn  Josa  a' 
searmonachadh  anns  an  luing  air  a'  mhuir, 
agus  na  miltean  air  an  traigh  ag  eisdeachd  ris 
le  deagh  aire. 

Air  an  ath  mhaduinn,  Diardaoin,  an  naoidh- 
eamh  la  deug,  dh'  fhag  sinn  baile  Nasaret 
anns  na  carbadan,  a'  dol  an  ear  dheas  ri  slios 
beinn  Charmeil  gus  an  do  rainig  sinn  Haifa, 
port  anns  an  robh  an  long  a'  feitheamh  ruinn. 
O  sin  chaidh  sinn  tuath  gu  ruig  Beirout  gu  bhi 
toirt  a  steach  a'  phairt  de'n  chomunn  againn  a 
chaidh  do  Dhamascus.  Fhuair  sinn  sealladh 
math  air  sliabh  Lebanon  air  an  laimh  dheis. 
Air  Di-haoine,  an  fhicheadamh  la  rainig  sinn 
Eilean  Chiprus  far  an  deachaidh  sinn  air  tir, 
agus  am  faca  sinn  cuid  de'n  eilean.  Be  so  an 
t-eilean  anns  an  do  rugadh  Barnabas  agus  anns 
an  do  shearmonaich  Pol  agus  esan  an  soisgeul 
air  an  ceud  thuras  a  dh'  ionnsaidh  nan  cinneach 
(Gniomh.  13).  O  fheasgar  Di-haoine  gu  mad- 
uinn la  na  Sabaid  bha  sinn  a'  seoladh  air  a'  chuan 
Mediterranean.  Air  la  na  Sabaid  dh'fhan  sinn 
re  tacain  mu  choinneamh  eilean  Rodes,  eilean 
aluinn  agus  baile  grinn  de'n  aon  ainm  ri  taobh 
na  mara.  Air  an  fheasgar  ghabh  an  long  air 
aghaidh  gus  an  d'  rainig  sinn  eilean  Phatmois 
moch  air  maduinn  Di-Luain.  Tha  an  t-eilean 
so  iomraideach  mar  an  t-ionad  anns  an  robh 
Eoin  'na  phriosanach  air  son  teisdeis  Josa 
Criosd,  agus  anns  an  d'  fhuair  e  na  seallaidhean 
neamhaidh  a  tha  air  an  cur  sios  ann  an  J^eabhar 
an  Taisbeinidh.  Chaith  sinn  tri  na  ceithir  de 
uairean  taitneach  anns  an  eilean  so.  O  dh' 
fhag  sinn  Patmos  gus  an  do  rainig  sinn  Lun- 
nainn  air  an  naoidheamh  la  de'n  Ghiblinn, 
dh'  fhiosraich  sinn  caochladh  aitean  anns  a' 
Ghreig  agus  anns  an  Eaduilt,  ach  chan  'eil 
iiine  agam  an  ainmeachadh  an  trath  so. 

DoMHULL  Mac  Fhionnlaigh. 


SEOMRAICHEAN  AN  RIGH,  DAN  SHOLAIMH  I.  4 


Seomraichean  an  righ,  Din  Sholaimh  i.  4 


O'S  feumail  dhuinn  na  seomraichean, 
Th'  aig  Riaghladair  nan  diil  ; 
Far  an  teagaisg  E  an  t-iompachan, 
'S  an  dream  tha  cur  ris  ciil. 

'S  ann  gu  seomar  cruaidh  an  lagh, 
Thug  E  mi  stigh  air  tiis  ; 
Is  d'fheuch  E  dhomh  m'fhein-fhireantachd, 
Nach  robh  ni  ann  ach  moll. 

Sin  bha  mo  chridhe  g'am  dhiteadh, 
Bha  mi  as  eugmhais  sith  ; 
Gus  nach  faicinn  ach  Sinai, 
An  aite  Chalbhari. 

Oir  rinn  e  Fein  nio  dhusgadh 
Gu  bhi  mothachadh  mo  chall 
Ann  a  bhi  cur  suarach  Slanuighear, 
A  bhasaich  air  a'  chrann. 

Ach  bho'n  a  so  gu'n  d'thug  E  mi, 
Gu  seomar  ciiiin  a  ghraidh  ; 
Far  an  d'fheuch  E  dhomh  an  Eiric, 
'S  gu'n  robh  na  fiachan  paight. 


'Snach  robh  a  dhith  ach  creidimh  orm, 
An  Slanuighir  nam  buadh, 
'S  gu'n  toireadh  E  mi  tearuinte, 
Gu  innis  chaomh  nan  uan. 

Gu  seomar  dhorch  nan  trioblaidean. 
Thug  E  mi  stigh  air  laimh 
Gus  nach  blais  mi  cuid  de  na  fulangais 
Nach  'eil  taitneach  dhan  an  fheoil. 

Ach  's  ann  a  so  a  dh'fhoghlum  mi, 

Gur  losa  fear  mo  ghraidh  ; 

'S  gu'n  robh  gach  gaoth  'g  am  chuideachd, 

A  dh'  ionnsaigh  cala  seimh. 

'S  gu'n  dean  an  t-Uan  mo  threorachadh, 
'S  mo  chomhnadh  anns  gach  cas  ; 
Gus  fa-dheoidh  gu'n  toir  e  mi. 
Gu  seomar  fuar  a'  bhais. 

'San  t-seomar  so  cha  treig  e  mi 

'Se  dh'fhanas  aig  mo  thaobh 

Gus  am  faigh  mi  stigh  do'n  t  seomar  shuas 

Gu  bhi  'g  ol  a  cuan  a  ghaoil.  L.Lb. 


Miann  an  t-Salmadair 


Aon  ni  ghuidh  mi  air  an  Tighearna,  sin  iarraidh  mi,  a  bhi  am  chdmhnuidh  ann  an  tigh  an  Tighearna  vile 
laUhean  mo  hheatha,  chum  gv  faicinn  mai.se  an  Tighearna,  agus  gu  fiosraichinn  'na  theampull. — Salm  xxvii.  4. 


ANN  an  aite  eile  tha  an  salmadair  ag  radh 
gu  robh  anam  a'  fannachadh  le   deidh  air 
ciiirtibh  an  Tighearna. 

Cia  mor  an  airidh-ghraidh  do  theach, 
lehobhah  mhoir  nan  sliiagh  : 
Cia  taitneach  dhomh-sa  t-aros  naomh, 
O  Thighearna  nam  buadh  ! 

Bu  bhiadh  's  bu  cheol  da  seasamh  anns  an  tigh 
naomh  agus  a  ghuth  a  thogail  ann  am  fonn  nan 
salm. 

Bha  aoibhneas  orm  trath  thubhairt  lad 

Gu  tigh  Dhe  theid  sinn  suas. 

Tha  na  sailm  Ian  de  'n  ionndrainn  so  a  bha  ann 
an  cridhe  an  t-salmadair  air  tigh  Dhe  ;  agus 
ma  dh'  fheoraichear  ciod  e  an  t-aobhar,  tha  e 
fein  a'  freagairt,  "  Tha  mo  chridhe  agus  m' 
fheoil  ag  eigheach  gu  h-ard  air  son  an  De 
bheo."  Bha  deidh  aige  air  a  bhi  ann  an  tigh 
an  Tighearna  do  bhrigh  gu'm  be  sin  an  t-aite 
anns  an  robh  gloir  is  cumhachd  an  Tighearna 
r'  am  faicinn,  agus  anns  an  robh  e  ga  nochdadh 
fein  d'a  shluagh. 

Faodar,  mata,  iirnuigh  an  t-salmadair  a 
ghabhail  ann  an  doigh  fharsuing  agus  a  radh 
gur  e  lathaireachd  an  Tighearna  an  ni 
sonruichte  a  mhiannaich  e.  As  eugmhais 
lathaireachd  an  Tighearna  cha  bhiodh  eadhon 
an  teampull  ach  'na  thigh  fuar  fas  leis,  ach 
dheanadh  a  lathaireachd-san  ionad  air  bith 
naomh  dha. 


"  Agus  dhiiisg  lacob  as  a  chadal  agus  thubh- 
airt e,  Cia  h-uamhasach  an  t-ionad  so  ?  Chan 
aite  air  bith  so  ach  tigh  Dhe,  agus  is  e  so  geata 
neimh."  Cha  robh  teampull  far  an  do  chaidil 
lacob,  no  tigh-aoraidh  a  thogadh  le  lamhan  ; 
ach  air  an  t-sliabh  lorn  chunnaic  e  ainglean  is 
chual  e  guth  an  Tighearna,  agus  feuch  !  bha  e 
ann  an  tigh  Dhe  ;  oir  tha  tigh  Dhe  ann  an 
aite  air  bith  anns  a  bheil  e  'ga  fhoillseachadh 
fein  do'n  anam.  Cha  ruigear  a  leas,  mata, 
iirnuigh  an  t-salmadair  a  ghabhail  gu  litireil, 
no  shaoilsinn  gu'm  bu  chaomh  leis  ciil  a  chur 
ris  an  t-saoghal  is  ri  obair  an  t-saoghail,  agus  a 
laithean  a  chur  seachad  ann  an  diomhanas  ann 
an  samhchair  an  teampuill.  B'e  an  ni  a  mhian- 
naich e  lathaireachd  Dhe  a  mhealtainn  a 
ghnath  ;  Dia  a  bhi  maille  ris  'na  dhol  a  mach 
agus  'na  theachd  a  steach,  oir  is  ionnan  sin  ri 
bhi  a'  comhnuidh  ann  an  tigh  Dhe  gun  dol  a 
mach  as.  Bha  an  teampull  'na  fhianuis  dha  air 
gloir,  is  naomhachd,  is  trocair,  is  dliiths  Dhe, 
da  shluagh  ;  agus  nahiannaich  e  a  laithean  a 
chur  seachad  ann  an  dearbhachd  nan  nithean 
sin  air  chor  agus  nach  cailleadh  e  an  earbsa 
laidir  so,  "  Is  e  an  Tighearna  mo  sholus  agus 
mo  shlainte. 

Is  aon  rud  e  a  radh  gur  solus  Dia  ;  solus  an 
t-saoghail,  ach  is  rud  eile  e  a  radh.  Is  e  Dia  mo 
sholus-sa.  B'  urrainn  an  salmadair  sin  a  radh 
agus  is  e  a  ghuidh  e  anns  an  iirnuigh  so  gu 


MIANN  AN  T-SALMADAIR— AN  NAOMH  BERNARD 


maireadh  an  fhaireachduinn  sin  'na  chridhe 
agus  nach  cailleadh  e  sealladh  air  solus  gniiis 
Dhe  latha  sam  bith  d'a  bheatha.  Sior  cho- 
chomunn  ri  Dia,  co  dhiu  a  bhiodh  e  ag  obair  no 
ag  aoradh,  is  e  sin  ian'tus  an  t-salmadair.  Ann 
am  briathran  Phoil,  bu  inhaith  leis  a  bhi  ri 
h-urnuigh  gun  sgur  ;  bu  nihaith  leis  a  bhi  anns 
an  spiorad,  chan  e  inhain  air  la  an  Tighearna, 
ach  uile  laithean  a  bheatha. 

Cha  bhiodh  e  chum  buannachd  air  bith  a' 
cheist  a  thogail,  a  bheil  e  comasach  do  neach 
air  thalamh  an  airde  spioradail  so  a  ruighinn, 
no  a  smuaintean  a  bhi  air  an  socruchadh  air 
Dia  gun  sgur.  Co  dhiu  a  tha  sin  comasach  do 
chreutair  peacach  no  nach  'eil,  tha  fios  againn 
uile  gu  bheil  sinn  fhein  a'  tighinn  fada  gearr 
anns  a'  chilis,  agus  gu  faodamaid  ar  n-aire  a 
shocruchadh  air  Dia,  agus  a  lathaireachd  a 
nihealtainn  moran  na's  trice  na  tha  sinn  a' 
deanamh,  na'n  robh  deidh  againn  air  a  chomunn 
mar  bha  aig  an  t-salmadair.  Cha  b'e  beagan 
mhionaidean  anns  a'  mhaduinn  agus  beagan 
mhionaidean  anns  an  fheasgar  a  bu  mhaith 
leis-san  a  chur  seachad  ann  an  lonad-diomhair 
an  Tighearna,  ach  uile  laithean  a  bheatha. 
Ach  nach  iomadh  duine  nach  'eil  a'  togail  a 
smuaintean  gu  Dia  eadhon  beagan  mhionaidean 
a  h-iiile  latha  ;  aig  nach  'eil  iarraidh  no  faireach- 
diiinn  air  a  lathaireachd  o  aon  Sabaid  gu 
Sabaid  eile.  Ciod  a  theirear  ris  an  t-seorsa  sin  ? 
Faodar  so  a  radh  co  dhiii,  nach  faic  iad  gloir  is 
maise  an  Tighearna  niar  chi  na  daoine  a 
ghabhas  uine  gu  teachd  'na  lathair  agus 
beachd-smuaineachadh  air.  "Mar  le  smior 
agus  le  saill  sasuichear  m'  anam,  'nuair  a 
bheachd-smuainicheas  n:ii  ort  ann  am  fairibh 
na  h-oidhche." 

Chan  'eil  e  yun  teaaamh  furasda  do  dhaoine 


an  inntinn  a  shocruchadh  air  nithean  spioradail 
am  measg  driop  is  gleadhraich  an  t-saoghail, 
ach  mur  toir  sinne  buaidh  air  an  t-saoghal  bheir 
an  saoghal  buaidh  oirnne.  Ged  chuireadh 
duine  seachad  uile  laithean  a  bheatha  ann  an 
co-choiTiunn  Dhe  cha  rannsaicheadh  e  uile  gu 
leir  a  ghloir,  is  chan  fhaiceadh  e  ach  earlais 
bheag  d'a  mhaise.  Tha  gloir  air  chiil  gloire,  is 
maise  air  chul  maise  ann  an  Dia,  agus  eadhon 
do  na  naoinih  a  chuireas  seachad  am  beatha 
'na  fhianuis  cha  teirig  ionghnadh.  Agus  ma 
tha  sin  fior  a  thaobh  nan  naomh,  nach  beag  de 
mhaise  is  de  ghloir  Dhe  as  urrainn  dhaibh-san 
fhaicinn  aig  nach  'eil  miann  air  uair  no  latha  a 
chur  seachad  a'  smuaineachadh  air  !  Is  e  am 
peanas  a  thuiteas  orra,  gu  fas  iad  dall.  Nach 
mor  an  diteadh  e  do  chlann  an  t-saoghail  gu'm 
biodh  maise  na  naomhachd  is  iomlanachd  a' 
ghraidh  air  a  chur  fa  chomhair  an  siil  ann  am 
pearsa  Chriosd,  agus  gu'n  tionndadh  iad  air 
falbh  's  gu'n  abradh  iad,  "  Chan  'eil  sgeimh  no 
grinneas  aige  gu'n  amhairceamaid  air,  ni  mo 
tha  maise  aige  gu'n  iarramaid  e." 

Far  a  bheil  ar  n-ionmhas  bidh  ar  cridhe  ; 
bha  cridhe  an  t-salmadair  ann  an  tigh  Dhe  a 
chionn  gu'm  b'e  Dia  cuibhrionn  is  solus  'anma. 

Tha  tart  air  m'  anam  'n  geall  air  Dia 
'N  geall  air  an  Dia  ta  beo 
O  c'uin  a  thig  's  a  nochdar  mi 
Am  fianuis  Dhia  na  gloir  ? 

Is  ann  dhaibh-san  aig  a  bheil  an  ionndrainn 
bheo  so  air  Dia  a  dh'  fhoillsicheas  e  a  mhaise 
agus  a  ghloir.  Air  dhaibh  a  bhi  maille  ris  gach 
latha  de  'm  beatha  gheibh  iad  dearbhachd  air 
na  nithean  a  ta  siorruidh,  agus  roimh-bhlas  de 
'n  aoibhneas  mhor  a  tha  feitheamh  air  a 
shluagh,  'nuair  a  chi  iad  e  aghaidh  ri  h-aghaidh. 


An  Naomh  Bernard 


FAODAIDH  sinn  a  radh  mu  na  daoine  a 
sgriobh  na  laoidhean  a  bhitear  a'  seinn  ann 
an  eaglaisean  ar  duthcha,  gu  bheil  iad  fhathast 
beb  ged  tha  iad  marbh.  Is  iomadh  car  ris  an  do 
chuir  an  diadhair  Newman  a  lamh,  agus  is 
iomadh  leabhar  a  sgriobh  e  'na  latha,  leabhrai- 
chean  a  fhuair  greim  air  aire  na  duthcha  'nuair 
a  chuir  e  mach  iad,  ach  tha  e  gle  choltach 
nach  ann  gus  na  leabhraichean  sin  a  sgriobh- 
adh  a  chuir  Dia  Newman  do'n  t-saoghal,  agus 
gur  e  an  laoidh  bheaa-  ud  a  seriobh  e  obair 
as  maireannaiche  a  rinn  e  riamh  : 

A  Shoillse  aigh,  's  a'  cheo,  le  d'  bhaoisge  caoin,  stiiiir 

thusa  mi ; 
Tha   'n   oidhche   dorch',  's   mi  fad   o  m'  dhachaidh 
ghaoil, 
O  treoraich  mi ; 
Stiiiir  mi  gach  la,  chan  iarr  mi  rathad  reidh. 
Gu  tir  an  aigh  ;   is  leor  leam  ceum  air  cheum. 


Tha  an  laoidh  'na  beatha  agus  'na  h-aran  do 
mhiltean  nach  cual  iomradh  air  na  sgriobhaichean 
eile  aig  Newman,  no  eadhon  air  'ainm. 

Chan  urrainn  duine  dileab  as  fhearr  fhagail 
aig  an  t-saoghal  na  laoidh  mhaith  a  gheibh. 
aite  ann  an  aoradh  na  h-eaglais,  laoidh  a  bheir 
comhfhurtachd  is  misneach  is  togail-cridhe  do 
dhaoine  eile  an  uair  a  tha  e  fhein  anns  an  uaigh, 
Tha  na  laoidhean  'nan  teachdairean-soluis  aig 
a  bheil  iomadh  guth,  agus  na's  buadhmhoire  am 
beatha  na  h-eaglais  na  eadhon  searmoin.  Ma 
tha  e  iomchuidh  cuimhne  a  chumail  air  na 
searmonaichean  cliiiteach  a  thug  Dia  do'n 
eaglais  tha  e  a  cheart  cho  iomchuidh  clach  a 
chur  an  earn  'n  an  diadhairean  a  sgriobh  na 
laoidhean  sin  a  dhiiisgeas  aithreachas  ann  an 
cridheachan  luchd-aoraidh,  agus  a  bheir  cuid- 
eachadh  is  misneach  do'n  anam  leonte. 

Is  e  sin  a  tha  toirt  oirnn  tarruing  a  thoirt  air 


8 


AN  NAOMH  BERNARD— DLUTH  AIR  A^  CHALA 


ainm  an  naoinih  so,  Bernard.  B'  esan  am  fear 
mu  dheireadh  de  na  seann  aithrichean,  agus  a 
reir  teisteanas  Luther,  b'e  duine  cho  naomh  is 
cho  diadhaidh  's  a  bha  riamh  air  thalamh.  Tha 
dliith  air  ochd  ceud  bliadhna  o  chaochail  e,  ach 
ged  a  bhasaich  nioran  de  na  rinn  e  tha  'ainm 
fhathast  air  ehuimhne  is  bithidh  cho  fad  'sa 
bhios  coimhthionailean  a'  seinn  nan  oran 
naomh  a  rinn  e. 

Cha  robh  e  ach  'na  bhalach  og  an  uair  a 
chuir  e  roimhe  a  bheatha  a  thoirt  thairis  do 
Dhia,  agus  d'a  aobhar.  Thog  e  inntinn  os 
cionn  nithean  aimsireil  ;  chuir  e  ciil  ri  toihntinn 
an  t-saoghail  agus  ri  fearas-chuideachd  na 
h-6ige,  is  cheangail  e  e  fhein  ri  abaid  gu  bhi  'na 
mhanach  ;  a'  meas  nan  uile  nithean  'n  an  call 
air  sgath  naomhachd  beatha  is  oirdheirceas 
eolais  losa  Criosd.  Bha  a  chridhe  blath  's  a 
ghuth  ciuin,  is  bha  a  leithid  de  bhuaidh  aige 
air  daoine  oga  's  gu'm  biodh  parantan  a'  folach 
an  cloinne  air,  le  h-eagal  gu'n  taladh  e  iad  gu 
bhi  'nam  manaich  naar  bha  e  fhein. 

Ged  bha  an  duine  naomh  so,  an  da  chuid 
iriosal  agus  eudmhor,  is  ged  bha  e  a'  meas  nan 
uile  nithean  'n  an  aolach  a  chum  gu'n  coisneadh 
e  rioghachd  Dhe,  chan  urrainn  sinn  gun  a  radh 
gu  robh  e  ann  an  doigh  gle  eu-coltach  ri  Criosd, 
a  Mhaighstir.  An  uair  a  bha  Mac  an  duine  anns 
an  t-saoghal  cha  d'  fholaich  e  e  fein  o  dhaoine 
ann  an  abaid  ;  dh'  ith  is  dh'  61  e  comhla  ri 
peacaich,  is  bha  e  deas  gu  dol  am  measg  a  cho- 
chreutairean  aig  am  bainnse  no  aig  am  bais  ; 
a'  gabhail  pairt  ann  am  beatha  a  bhraithrean. 
Thug  Bernard  buaidh  air  an  t-saoghal  le  teicheadh 
uaith,  ach  thug  Criosd  buaidh  air  an  t-saoghal 
le  larach  a  sheasamh.  Mheasadh  Bernard  gu'm 
biodh  e  air  a  shalachadh  le  nithean  cumanta, 
is  thionndaidh  e  uapa,  ach  leag  an  Slanuighear 
a  lamh  air  nithean  cumanta  is  naomhaich  e 
iad. 

Shaoileadh  Bernard  nach  b'  urrainn  e  bhi 
anns  an  t-saoghal  gun  a  bhi  dheth,  ach  dh' 
fhan  Criosd  anns  an  t-saoghal  is  cha  robh  e 
dheth.  Cha  do  chunnt  an  Slanuighear  gu  robh 
aoibhneas  no  toilintinn  'nan  nithean  peacach, 
agus  ged  bha  e  air  a  dheanarah  foirfe  tre 
•fhulangas  cha  do  shir  e  riamh  fulangas  air 
sgath    fulangais.      Cha    b'e    sin    do    Bhernard. 


Cheus  e  iarrtusan  na  feola  ;  is  chum  e  a  chorp 
fo  leithid  de  smachd  's  nach  blaiseadh  e  biadh 
gus  am  biodh  e  an  impis  fannachaidh.  Cha 
tugadh  e  dha  fhein  a  leoir  de'n  chadal  ;  mheas- 
gadh  e  am  biadh  a  dh'  itheadh  e  le  stuthanna 
searbha  air  eagal  gu'm  biodh  e  mills  do'n  bhlas. 
Thug  e  a  leithid  de  fhuath  do  amaideachd 
dhaoine,  agus  do  sheanchas  faoin  an  t-saoghail 
's  gu'n  do  chuir  e  cloimh  'na  chluasan  air  chor 
's  nach  cluinneadh  e  faoin-sgeul  sam  bith.  Bu 
cheol  s  bu  bhiadh  dha  a  bhi  beachd-smuaineach- 
adh  air  Criosd  agus  air  fhulangas  air  a'  chrann- 
cheusaidh,  agus  aig  na  h-amanna  sin  cha  chluin- 
neadh  is  chan  fhaiceadh  e  na  manaich  eile  ged 
bhiodh  iad  mu'n  cuairt  air.  Chaidh  iomradh 
air  naomhachd  a  bheatha  agus  air  'eolas  anns 
an  fhirinn  air  feadh  na  Roinn-Eorpa  gu  leir  ; 
bha  iochdarain  is  uachdarain  araon  a'  toirt 
urram  agus  speis  dha.  Chuireadh  fhacal  righ 
air  a'  chriin,  is  cha  robh  aige  ach  a  mheur  a 
thogail  is  dheanadh  e  sith  no  aimhreite. 

'Na  dhiisgadh  bhiodh  e  a'  beachd-smuaineach- 
adh  air  Criosd  gun  sgur  ;  'na  chadal  bhiodh 
ainm  an  t-Slaniiigheir  gu  trie  air  a  bhilean. 
B'e  Criosd  grian  anma  Bhe?'naird,  mar  a  tha  e 
fhein  ag  innseadh  anns  an  laoidh  a  leanas.  Tha 
i  air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig  le  Mghr.  Iain  Mac 
Ille  Bhain,  agus  gabhaidh  i  faotainn  ann  an 
Laoidhean  agus  Dain  Spioradail : 

losa  !  'se  smuaineach  ort  gun  tamh 

A  chuireas  blaths  am  chridh' ; 

Ach  's  fhearr  bhi  faicinn  d'aghaidh  ghraidh 

'S  ad  lath'r  a'  mealtainn  sith'. 

Cllan  aithris  beul,  's  cha  smuainich  cridh' 
No  inntinn,  fuaim  cho  caoin 
III  d'ainm  ro  naomh,  Fhir-shaoiridh  ghraidh, 
A  Shlanuighear  chlann-daoin' ! 

Pailteas  is  meud  saor  mhaitheas  Dhe 
Chan  aithris  beul  no  peann  ; 
Gradh  los',  ar  Slanuighear,  ciod  e 
Chan  aithne  ach  d'a  chloinn. 

O  losa,  tobar  beatha  's  blaiths, 
Do'n  t-saoghal  's  tu  as  grian  ; 
De'r  n-uile  shonas  's  tu  a's  fhearr, 
'S  ar  n-agh  os  cionn  ar  miann. 

'S  tu  mhain  's  an  t-saogh'I  ar  sonas  mor, 
Mar  's  tu  fadheoidh  ar  duals  ; 
losa,  bi  dhuinn  a  nis  mar  ghloir, 
'S  ar  solus  siorruidh  shuas. 


Dluth  air  a'  Chala 

Air  a  cliur  am  Beurla  le  Gilleasbuig  DomhnuUach,  13. D.,  Cill-Targlain. 

REUL  feasgar  's  laighe  grein. 
'S  aon  ghairm  glan  o'  ard. 
'Na  cluinntear  gair  nan  oitir-thonn  leam  fein, 
'N  uair  theid  mi  mach  air  sail. 

Ach  seimh  sheol-mara  sichail  mar  aig  clos  ;  Gun  chobhair  no  gun  f  huaim ; 
'Nuair  ni  e  triall  ffu  ciuin  bho  chuairt  a  bhos     Gu  dhachaidh  bhuan. 


This  material  is  taken  from  Hy.  314. — 0.  Htyle. 


Air  8 


93 


Uabhar  na  beatha 


T 


HA  an  t-abstol  Eoin  ag  radh  nach  aim  o 
Dhia  a  tha  uabhar  na  beatha  ach  o'n 
t-saoghal,  agus  a  thuilleadh  ah*  sin,  tha  e  'ga 
ainnieachadh  mar  chonipanach  do  dha  dhroch 
rud,  ana-niiann  na  feola  agus  ana-miann  nan 
sul.  Sin  tri  nainihdean  a  tha  a'  cogadh  gun 
sgur  an  aghaidh  anam  mhic  an  duine. 

Tha  uabhar  agus  uabhar.  ann  ;  tha  astar 
mor.  eadar  ardan  a'  Chaesair  a  bha  air  a 
sheideadh  suas  le  ffloir  a  rioffhachd  is  cumhachd 
a  ghairdean,  agus  leom  na  goraig  air  a  bheil 
prois  a  chionn  gu  bheil  giin  iir  no  ad  iir  oirre. 
Theagamh  gur  ann  o'n  aon  stoc  a  thainig  am 
por  so  uile  ;  ua'bhar,  is  ardan,  is  n:ieud-mh6r, 
is  leom,  is  spagluinn,  is  cuidealachd ;  ach  air  a 
shon  sin  tha  mughadh  mor  eatorra,  agus  cha 
bhiodh  ann  ach  amaideas  do  dhuine  a  radh  gu 
bheil  an  aon  chionta  annta  uile.  Chan  'eil 
idir  ;  tha  cuid  dhiubh  nach  'eil  a'  dol  na's 
doimhne  na'n  craicionn,  ach  tha  cuid  eile 
dhiubh  a'  dol  gus  an  smior  agus  a'  lobhadh  nan 
cnamh. 

Tha  mi  an  diiil  gur  e  an  da  chomharra  as 
miosa  is  urrainnear  fhaicinn  ann  am  beatha 
duine  air  bith  (1)  e  bhi  toilichte  leis  fhein,  agus 
(2)  e  bhi  neo-eisiomaileach  a  thaobh  Dhe.  Gu 
spioradail  cha  ghabh  dad  a  bhi  air  a  dheanamh 
air  son  duine  a  tha  Ian  de  fhein-fhireantachd 
agus  aig  nach  'eil  faireachduinn  gu  bheil  e  ann 
an  eisiomail  Dhe.  Agus  is  e  an  fhior  chomharra 
air  duine  uaibhreach  nach  'eil  faireachduinn 
aige  gu  bheil  e  ann  an  eisiomail  Dhe  no  dhaoine. 
Theagamh  gu'n  toir  e  dhuit  rud  gu  toileach, 
ach  na  taii-g  dad  dha.  Cha  leig  an  t-uabhar 
leis  a  ghabhail.  Cha  mho  a  chuireas  e  dragh 
air  CO  dhiu  a  mholas  no  chaineas  daoine  e,  oir 
is  rioghachd  dha  a  smuaintean  fein  ;  na'n 
leigeadh  e  dha  fein  a  bhi  toilichte  le  moladh 
dhaoine,  bhiodh  sin  co-ionnan  ri  aideachadh  gu 
robh  e  'n  an  eisiomail.  Tha  an  duine  uaibh- 
reach a'  togail  garraidh  uime  fein  air  chor  agus 
nach  fhaigh  daoine  'g  a  ionnsuidh.  Chan 
ith  agus  chan  61  e  maille  ri  peacaich,  mar  a  rinn 
an  Slanuighear  caomh.  Tha  an  t-uabhar 
daonnan  a'  dealachadh  duine  bho  cho-chreut- 
airean,  agus  rud  as  miosa  air  fad,  tha  e  'g  a 
dhealachadh  bho  Dhia. 

Tha  ceud  rud  ann  as  am  bi  daoine  a'  deanamh 
uaill,  ach  mar  is  trice  so  na  nithean  a  bhios  a' 
seideadh  suas  an  inntinn  agus  an  cridhe  ; 
uaill  as  am  full,  uaill  as  an  inbhe,  uaill  as  an 


airgiod.  Ann  an  eaglais  Chorint  bha  daoine 
air  an  seideadh  suas  le  eolas.  Tha  a'  bhuaidh 
sin  aig  an  eolas  air  cinn  aotrum  an  diugh 
fhathast  ;  cuiridh  e  car  annta. 

Tha  uabhar  na  beatha  calg-dhireach  an 
aghaidh  irioslachd  dhiadhaidh,  agus  an  aghaidh 
spiorad  Chriosd.  Bha  esan  macanta  is  iriosal, 
agus  cha  do  rinn  e  riamh  tair  air  duine  beo, 
air  cho  iosal  's  gu'n  robh  iad.  Cha  mho  a 
shuidhich  e  a  chridhe  air  gloir  shaoghalta  ; 
dh'  fheuch  Satan  ri  faotainn  thuige  air  an^ 
rathad  sin,  ach  dh'  fhairtlich  air  losa  a  mheal- 
ladh  ged  a  thairg  e  dha  uile  rioghachdan  an 
domhain.  Bha  e  uile  gu  leir  falamh  de  mheud- 
mhor  agus  de  uabhar  na  beatha  :  b'e  a 
thaghadh  companaich  a  dheanamh  de  dhaoine 
diblidh. 

Faodar  a  bhi  cinnteach,  mata,  nach  toigh  le 
Criosd  daoine  uaibhreach,  ged  nach  do  shear- 
monaich  e  'n  an  aghaidh  ann  an  laithean 
fheola.  Ach  chuir  e  uabhar  air  an  aon  ghad  ri 
sannt  is  gold  is  mealltaireachd  is  toibheum — - 
uile  a  tha  salachadh  an  duine.  Labhair  e 
cuideachd  briathran  a  bha  gle  loisgeach  mu'n 
t-seorsa  dhaoine  a  bha  gaolach  air  na  ceud 
chaithrichean,  agus  leis  am  bu  ghasda  gu'n 
deanadh  daoine  eile  am  beic  dhaibh.  Bha  an 
seorsa  sin  pailt  gu  leoir  am  measg  seanairean 
nan  ludhach,  oir  bha  na  Pharasaich  cho 
uaibhreach  ri  Alasdair  Uaibhreach  fhein. 

An  uair  a  dh'  fheoraich  na  deisciobuil  c6  a 
bu  mho  ann  an  rioghachd  neimh  cha  b'  ann  air 
diadhair,  no  sgoilear,  no  searmonaiche,  a  shin 
losa  a  chorrag  ach  air  leaiiabh  beag.  Sin  an 
doigh  anns  an  do  theagaisg  e  dhaibh  ciod  an 
spiorad  a  bu  choir  a  bhi  air  siubhal  chreidmh- 
each.  Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  e  spiorad 
an  leinibh,  ach  co  dhiu  chan  'eil  a  leithid  de  ni 
is  uabhar  ann  an  cridhe  paisde.  Chan  fhas  sin 
ann  gus  a  bheil  e  air  a  thruailleadh  le  gnaths 
an  t-saoghail.  Ma  gheibh  paisdean  an  toil 
fein  agus  an  cas  mu  reir,  cluichidh  mac  a' 
phrionnsa  comhla  ri  mac  a'  cheaird  cho  toileach 
's  a  chluicheas  e  comhla  ri  chomaladh  fein. 

Mar  a  thuirt  mi  cheana,  tha  uabhar  na 
beatha  a'  dealachadh  dhaoine  o  cheile,  ach  tha 
e  a'  deanamh  tuilleadh  is  sin  ;  tha  e  'g  an  cur 
an  aghaidh  a  cheile.  Ciod  eile  ach  uabhar  na 
beatha  a  bhios  a'  cur  righrean  is  rioghachdan 
a  chogadh  ?  Eadhon  ged  nach  'eil  iarraidh 
aca  air  full  a  dhortadh,  an  uair  a  thoisicheas 


2 


UABHAR  NA  BEATHA 


iad  air  connsachadh,  cha  leig  an  t-ardan  leo 
taobh  air  thaobh  dol  air  an  ais  aon  cheum,  air 
eagal  gu'n  saoilear  nach  'eil  neart  is  cumhachd 
aca.  Air  a'  cheart  doigh,  chan  e  idir  a  choir  a 
bhios  a'  cur  choimhearsnach  ann  an  amhaichean 
a  cheile  ach  an  t-ardan  ;  ardan  is  meud-mhor 
gun  tur.  Nach  h-iomadh  burraidh  a  chaidh  o 
Chiiirt  an  t-Siorram  gu  Ciiirt  an  t-Seisein,  agus 
o  Chiiirt  an  t-Seisein  gu  Tigh  nam  Morairean, 
a  leigeil  fhaicinn  do  dhaoine  eile  gu'm  b' 
urrainn  da  an  hichd-lagha  a  phaigheadh. 

Tha  an  t-uabhar  daonnan  a'  dusgadh 
raiteachas  is  farmad  is  searbhadas  eadar 
dhaoine.  An  uair  a  dh'  ardaicheas  aon  duine 
ann  ana  baile  a  dhorus,  agus  a  sgaoileas  e  a 
chasan  ffu  farsuing,  bidh  fichead  ci'idhe  air  an 
gonadh,  agus  fichead  duine  a'  feuchainn  ri 
shron  isleachadh.  Tha  niacantas  is  irioslachd 
a'  tathadh  dhaoine  r'a  cheile,  ach  tha  an  t- 
uabhar  a'  cur  sgaraidh  eatorra.  "  Roimh 
urram  tha  irioslachd." 

"  A  h-uile  uair  a  sheallas  mi  os  mo  chionn 
air  na  reultan,"  arsa  duine  glic,  "  tha  e  a'  cur 
ionghnaidh  orm  ciamar  is  urrainn  do  dhaoine 
boilich  a  dheanamh  no  uaill."  An  uair  a  bhios 
maithean  an  t-saoghail  air  an  seideadh  suas 
le  uabhar  na  beatha  bu  mhaith  dhaibh  na'n 
togadh  iad  suas  an  siiilean,  aglis  na'n  abradh 
iad  mar  a  thuirt  lob,  "  Nach  'eil  Dia  aftn  an 
airde  nan  neamh,  agus  faic  mullach  nan 
rionnag,  cia  ard  ata  iad."  Ach  is  beag  aig 
nigheana  Shioin  na  rionnagan  no  na  reultan  : 
is  fhearr  leo  gu  mor  a'  ghloir  a  tha  bhos  seach 
a'  ghloir  a  tha  shuas,  agus  mar  sin  tha  iad  mar 
a  tha  an  faidh  Isaiah  ag  radh,  "  ag  imeachd  le 
muinealaibh  sinte  mach." 

Tha  mor  an  de'n  charraid  agus  de'n  neo- 
shonas  a  tha  anns  an  t-saoghal  air  aobharachadh 
le  uabhar  ;  le  daoine  a  bhi  an  duil  gu  bheil  iad 
fein  fada  os  cionn  chaich.  Is  fhearr  le  parantan 
sonas  an  cloinne  a  mhilleadh  uile  laithean  am 
beatha  seach  leigeil  leo  fear  no  te  a  phosadh 
nach  'eil  de  stoc  cho  mhaith  riu.  Ceanglaidh 
iad  am  mic  agus  an  nigheana  gu  neo-choth- 
romach  ri  ceile  gun  dili,  air  ghaol  tiotal  no 
airgiod  fhaotainn.  Ciod  a  tha  sin  ach  uabhar 
gun  tiir,  faoineas  a  tha  peacach  an  siiilean  Dhe 
is  dhaoine  !  "  Phos  mi  luid  air  son  a  cuid,  dh' 
fhalbh  a'  chuid,  ach  dh'  fhan  an  luid."  Maith 
an  airidh. 

Ge  h-ard  an   Tigheama,  gidheadh  seallaidh  e 

air  an  iriosal ; 
Ach  aithntchidh  e  a?t  t-uaibhreach  fad  as. 
Tha  Dia  a'  cur  an  aghaidh  nan  uaibhreach, 
Ach  a'  toirt  grais  dhaihhsan  a  tha  iriosal. 
Is  graineileachd  do'n   Tigheama  gach  neach  a 

tha  uaibhreach  'na  chridhe  •; 
Ged  dh'  iadhadh  lamh  mu  laimh  cha  bhi  e  gun 

pheanas. 
Is  peacach  sealladh  ard  agus  cridhe  uaibhreach. 


Tha  facal  an  Tighearna  a'  diteadh  uabhar  na 
beatha,  agus  b'  abhaist  do  na  seann  diadhairean 
a  bhi  cunntas  uabhar  am  measg  nam  peac- 
aidhean  a  tha  gu  bas.  Tha  e  cho  duilich  do'n 
duine  uaibhreach  dol  a  steach  do  rioghachd 
Dhe  's  a  tha  e  do'n  duine  shaoibhir,  agus  cha 
teid  e  steach  idir  mur  fag  e  'uabhar  a  muigh. 

Ge  be  neach  nach  gabh  rioghachd  Dhe  mar 
leanabh  beag  cha  teid  e  gu  brath  a  steach 
innte."  Ged  tha  geata  neimh  farsuing,  chan  j 
'eil  e  ach  iosal,  agus  feumaidh  iadsan  a  theid 
a  steach,  an  cinn  a  chromadh.  "  Air  an 
fhear  so  amhaircidh  mi  "  ars'  an  Tighearna, 
"  eadhon  air-san  a  tha  bochd  is  leonta  'na 
spiorad,  agus  a  chriothnaicheas  roimh  m' 
fhacal."  Is  ni  iongantach  e  gu'n  deanadh 
an  t-Uile-Chumhachdach  a  chomhnuidh  ann 
an  anam  duine  idir,  ach  is  e  an  t-anam  anns 
an  dean  e  a  chomhnuidh,  an  t-anam  a  tha 
air  fhalamhachadh  de  uabhar  agus  de  fhein- 
fhireantachd.  Ciod  an  cordadh  is  urrainn  a 
bhi  eadar  an  Spiorad  Naomh  agus  uabhar  na 
beatha  ? 

Ann  an  iomadh  aite  ann  am  facal  an  Tigh- 
earna tha  olcas  na  h-inntinn  uaibhrich  air  a 
chur  fa'r  comhair,  ach  tha  sinn  'ga  fhaicinn  gu 
soilleir  ann  am  beatha  dhaoine  mar  a  bha  Saul, 
is  Absalom,  is  Pharaoh,  is  Hainan,  is  Nebuchad- 
nessar,  daoine  a  chaidh  air  seachran  air  Dia 
leis  an  ardan.  Tha  gu  leoir  de  dhaoine  a'  dol 
air  seachran  bho  rioghachd  neimh  an  diugh 
fhathast  leis  a'  cheart  aobhar.  Cha  mhaith  leo 
dad  a  ghabhail  eadhon  o  Dia  gun  airgiod  agus 
gun  luach.  Bu  mhaith  leo  an  rathad  a  phaigh- 
eadh a  steach  do  neamh  gun  a  bhi  ann  an 
eisiomail  saor  ghras  Dhe.  Ach  sin  rud  nach 
gabh  deanamh.  Cha  teid  a  steach  do  rioghachd 
Dhe  ach  a  mhain  iadsan  aig  a  bheil  faireach- 
duinn  air  am  falamhachd  agus  an  neo-airidh- 
eachd  agus  an  anfhannachd  gu  spioradail,  agus 
a  tha  toileach  air  tiodhlac  na  beatha  a  ghabhail 
o  Dhia  gu  saor. 

Tha  Dia  a'  tairgsinn  duinn  maitheanas  is 
gras  am  pailteas,  agus  sin  uile  gu  saor.  A 
thaobh  moran  dhaoine  tha  e  fior  nach  'eil  dad 
a'  seasamh  eadar  iad  agus  an  sonas  as  airde, 
ach  raigse  an  toile  fein  agus  uabhar  an  cridhe. 
Ach  ma  tha  leigheas  idir  ri  fhaotainn  air  uabh- 
ar na  beatha,  saoilidh  mi  nach  eile  leigheas  as 
fhearr  air,  na  gu'n  tionndadh  daoine  an  siiilean 
gu  Betlehem,  gus  an  stabull  anns  an  do  rugadh 
losa.  Sibhse  a  tha  air  'ur  seideadh  suas  le 
moralachd  is  uabhar  na  beatha,  thigibh  agus 
faicibh  co  a  tha  'n  a  shineadh  anns  a'  phrasaich 
ud,  an  Dia  siorruidh  a'  cur  foluch  air  a  ghloir 
agus  'ga  irioslachadh  fein  a  chum  peacaich  a 
thearnadh.  Ge  fad  an  t-astar  eadar  neamh 
agus  talamh  chrom  Dia  e  fein  cho  iosal  ris 
an  neach  a  b'  isle  air  thalamh,  agus  le  sin  a 
dheanamh  chronaich  is  dhit  e  uabhar  na 
beatha. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


THA  e  niaith  do  dhaoine  na  sgriobturan  a 
rannsachadh,  oir  tha  na  sgi'iobturan  tarbhach 
a  chum  teagaisg  agus  a  chum  oilein  ann  am 
fireantachd.  So,  mata,  ceistean  a  dh'  fhaodas 
ar  hichd-leughaidh  feuchainn  ri  fhreagairt. 

I 

Co  a  thubhah't  so,  agus  c'aite  a  bheil  e  ah'  a 
sgriobhadh  ? 

(1)  Ciomius  a  thuit  na  cumhachdaich  agus  a 

chaidh  as  do  airm  a'  chogaidh  ? 

(2)  Ma  bheir  do  shiiil  aobhar  oilblieim  dhuit, 

spion  as  ad  agus  tilg  uait  i. 

(3)  Bu  tearc  agus  olc  laithean  bh]iadhnacha 

mo  bheatha. 

(4)  Thug  shin  an  aithne  so  dhuibh,  mux-  aill  le 

neach  obair  a  dheanamh,  gun  e  dh  'ith- 
eadh  bidh. 

(5)  An  robh  sith  aig"  Simi'i,  a  mhavbh  a  thigli- 

earn  ? 

(6)  Am  measg  mo  shluaigh  fein  tha  mi  a'm' 

chomhnuidh. 

(7)  Sibhse  uile  a  tha  gabhail  an  rathaid,  ainh- 

aircibh  agus  faicibh  a  bheil  bron  sam 
bith  cosmhuil  ri  mo  bhfon-sa. 

(8)  Ma  bhasaicheas  mi  basaicheam. 

(9)  Co,  ail-  a  bheil  tliu  an  toir  ?    an  deidli  coin 

mhairbh  no  an  deidh  deargainne  ? 

(10)  Ciod  is  ciall  duit,  O  thusa  a  tha   'n  ad 

chadal  ?  eiricli,  agus  gairm  aiv  do  Dhia. 

(11)  Gabhaidh    aon    gradhach    an    Tighearna 

comhnuidh  ann  an  tearuinteachd  laimh 
ris  ;  agus  comhdaichidh  an  Tigheani  e 
re  an  la  uile. 

(12)  Ciod  a  rinn  mise  ort,  gu'n  do  bhiiail  thu 

mi  na  tri  uairean  so  ? 

(13)  Thug  sibh  air  falbh  iuchair  an  eolais. 

(14)  Buinibh   gu  niin   air  mo   sgatlvsa  ris   an 

oganach. 

II 

(1)  Ciod  is  ciall  do  na  h-ainmean  so  ;    Aceld- 

ama, Golgota,  Betel,  Betesda,  Eubh, 
Melchisedec,  Emanuel,  Peadar,  Boaner- 
ges ? 

(2)  Co  na  craobhan  ris  a  bheil  am  firean  air  a 

choimeas  anns  a'  BhiobuU,  agus  c6  ris  a 
tha  an  t-eucorach  air  a  choimeas  ? 

(3)  C  aite  a  bheil  an  giuthas  ;    an  daracli  ; 

an  ionntag  ;  dearcan-fiona  ;  agus  fogh- 
nana  ;  air  an  ainnieachadh  anns  a' 
Bhiobull  ? 

(4)  C  aite   a  bheil  na  creutairean  so  air  an 

ainnieachadh  ;  an  dragon,  an  iolair  ;  an 
seillean  ;  an  leomann  ;  an  damhan- 
alluidh  ;  am  fiadh  ;  a'  mhuc-mhara  ; 
agh  ruadh  ;  sionnach  ? 


(5)  Co  na  seachd  eaglaisean  a  bha  's  an  Asia,  agus 

ciod  am  balla  air  an  robh  da  gheata  dheug, 
agus  da  aingeal  dheug  aig  na  geataibh  ? 

(6)  C  ainm  a  bha  air  mic  Noah  ;   air  cairdean 

lob  ;  air  nigheanan  lob  ;  air  mathair 
Sholaimh  ;  air  athair  losua  ;  air  mnathan 
lacoib  ? 

(7)  Ciod    a    thachair    anns    na    h-aitean    so  ; 

Rephidim  ;  Kibroth-hattaavah  ;  lochan 
Shiloani  ;  beinn  Charniel  ;  Sychar  ? 

(8)  C  aite  a  bheil  na  seorsachan  bidh  so  air 

an  ainmeachadh ;  sithionn ;  im ;  breaca- 
gan  agus  soithaech  meala  ;  niulchagan 
caise  ;  aran  eorna  ? 

(9)  Co   am  boirionnach   a  thubhairt  gu'n   d' 

fhuair  i  duine-cloinne  o'n  Tighearna, 
agus  CO  an  te  eile  a  rinn  gearan  a  chionn 
gu'n  do  dhruid  e  a  brii  ? 

(10)  Ciod  a'  cheud  fhacal  a  tha  anns  an  Tiora- 

uadh  Nuadh,  agus  am  facal  mu  dheireadh. 

(11)  Co  air  an  robh  neascaid,  co  a  leigheis  e, 

is  cianiar  ? 

(12)  Co  dheth  a  bha  ordagan  a  chas  agus  a 

lanih  air  an  gearradh  le  a  naimhdean  ? 

(13)  Co  a  bha  beannaichte  os  cioiin  bhan,  agus 

CO  a  bha  beannaichte  am  measg  bhan  ? 

(14)  Co  a  thubhairt  gu'n  do  thuit  a  roinn  ann 

an  ionadan  aoibhneach  ? 


Na  daoine  beannaichte 

Faodaidh  duinne  a  bhi  sona  gun  a  bhi  bean- 
naichte ach  chan  urrainn  duine  a  tha  beannaichte 
gun  a  bhi  sona.  Ach  ged  nach  biodh  duine 
beannaichte  sona  idir,  b'  fhearr  a  bhi  bean- 
naichte na  bhi  sona.  Tha  e  na's  priseile  a  bhi 
beannaichte  na  bhi  nior  no  laidir  ;  na  bhi  bg 
no  maiseach  ;  na  bhi  ealanta  no  glic.  Bu 
mhaith  leam,  mata,  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so  na  daoine  a  tha  beannaichte  a  reir  facal  Dhe, 
ach  ged  tha  uile  fhacal  Dhe  tarbhach  a  chum 
teagaisg,  tha  cuid  dheth  is  fhearr  na  cuid  eile, 
agus  mar  sin  cuirridh  mi  ann  an  aite  dhaibh 
fein  briathran  an  ti  a  labhair  mar  nach  do 
labhair  neach  eile  riamh.  As  deidh  a  bhriathran 
san  cuiridh  mi  briathran  dhaoine  naonih  a 
labhair  mar  a  bha  an  inntinnean  air  an  soilleir- 
eaehadh  leis  an  Spiorad  Naomh. 


I 


Is  beannaichte — 


iadsan  a  tha  bochd  'n  an  spiorad. 
iadsan  a  tha  ri  bron. 
na  daoine  macanta. 

an  dream  air  a  bheil  acras  agus  tart 
corach. 


ANNS  A  CHATHAIR 


na  daoine  trocaireach. 

na  daoine  a  tha  glan  'nan  cridhe. 

luchd-deanamh  na  sithe. 

an  dream  a  tha  fulang  geur-leanmhuinn 

air  son  na  corach. 
iadsan  a  dh'  eisdeas  ri  facal  Dhe,  agus  a 

choimhideas  e. 

II 

Is  beannaichte — 

esan  a  thaghas   Dia   agus   a  bheir   e   am 

fagus  da. 
an  sluagh  d'  an  aithne  an  fhuaim  aoibh- 

neach. 
an  duine  nach  cuir  an  Tighearna  euceart 

as  a  leth,  agus  d'a  bheil  a  pheacadh  air 

fholachadh. 
an  sluagh  d'  an  Dia  an  Tighearna. 
iadsan  a  dh'  earbas  a  Dia. 
an  duine   a  chuireas   a  dhochas   anns   an 

Tighearna. 
an  duine  air  a  bheil  eagal  an  Tighearna 

agus  aig  a  bheil  tlach  mor  'na  aitheantan. 
an  duine  a  sheachnas  daoine  aingidh  agus 

luchd-fanoid. 
iadsan  a  bheannaicheas  na  daoine  a  tha 

air  am  beannachadh  le  Dia. 
iadsan  a  choimhideas  breitheanas  agus  a 

ni  ceartas  anns  gach  am. 
na  mairbh  a  gheibh  bas  's  an  Tighearna. 
an  ti  aig  a  bheil  cuid  anns  a'  cheud  ais 

eiriffh. 


Anns  an  Oidhche 

Air  uairean  theid  an  cadal  air  chall  oirnn  ; 
an  uair  a  thachras  sin  bhiodh  e  na  b'  fhearr 
dhuinn  doigh  an  t-salmadair  a  leantuinn  agus 
beachd-smuaineaehadh  air  earrannan  sonruichte 
de  fhacal  an  Tighearna  seach  a  bhi  feuchainn 
ris  a'  chadal  a  thaladh  le  bhi  cunntas  chaorach 
no  thunnagan  a'  dol  troimh  gheata. 

Eclesiastes  v.  12.     Tha  cadal  oibriche  milis,  co 

dhiu  a  dh'itheas  e  beagan  no  moran  ;   ach 

chan  fhuiling   sasachd   an   t-saoibhir   dha 

cadal. 
Eclesiastes  viii.  16.     Tha  neach  ann  nach  faic 

cadal  a  la  no  dh'  oidhche  le  shiiilibh. 
Dan  Sholaimh  iii.  8.     An  aghaidh  eagail  anns 

na  h-oidhchean  (1902). 
Salm  Ixxvii.  4>.     Chimi  thu  mo  shtiilean  'n  am 

faireachadh. 
Salm  cxxxix.  18.     An  uair  a  dhiiisgeas  mi  tha 

mi  a  ghnath  maille  riut. 
Salm  cxxi.  4.     Cha  tuit  clo  cadail  no  suain  air 

fear-coimhid  Israeil. 
Salm  Ixiii.  6.    An  uair  a  bheachd-smuainicheas 

mi  ort  ann  am  fairibh  na  h-oidhche. 
lob    vii.     3-4.      Airmhear    dhomh    oidhchean 

fadalach  ;    an  uair  a  laigheas  mi,  their  mi, 


c'uin    a   dh'    eireas    mi    agus    a   theid    an 

oidhche  thairis  ? 
Salm  xci.  6.     A'  phlaigh  a  ghluaiseas  anns  an 

dorchadas. 
Salm  iv.  4.     Labhraibh  'n  'ur  cridhe  air  bhur 

leabaidh,  agus  bithibh  tosdach. 
Eoin  vi.  17.     Bha  an  dorchadas  a  nis  ann  agus 

cha  robh  losa  air  teachd  d'  an  ionnsuidh. 
Salm  xiii.  8.    Anns  an  oidhche  bithidh  a  laoidh 

maille  rium  agus  m'   iu-nuigh  ri  Dia  mo 

bheatha. 
Gniomharan  xvi.   25.     Mu  mheadhon-oidhche 

sheinn  Pol  agus  Silas  laoidh-mholaidh  do 

Dhia.  '  . 

lob  XXXV.    10.      Dia    mo   Chruith-fhear   a  tha       * 

tabhairt  dhan  seachad  's  an  oidhche. 
Salm  iv.  8.     An  sith  laighidh  mi  agus  caidlidh 

mi. 
Salm  cxxvii.  2.    Bheir  esan  cadal  d'a  sheircin. 
Marc  iv.  38.    Bha  losa  'n  a  chadal  air  cluasaiff. 


"  An  raoir  chaidil  mi  tri  cheud  agus  da 
fhichead  's  a  tri  uair,  agus  gach  uair  a  chaidil 
mi  bhruadair  mi."  Litrichean  Mharcuis  Dods. 
Am  bitheantas  chan  'eil  ann  an  aislingean  na 
h-oidhche  ach  faoineas  is  ruagadh  na  gaoithe 
ach  tha  e  air  a  radh  anns  a'  Bhiobull  gu'n 
tainig  Dia  ann  an  aisling  na  h-oidhche  gu 
Abimilech,  gu  Laban,  gu  Pharaoh,  gu  Gideon, 
gu  Solamh,  gu  loseph,  gu  Pol,  ciod  air  bith  a 
tha  sin  a'  ciallachadh.  "  Ann  an  iomadalachd 
nan  aislingean  tha  diomhanasan."     Eccles.  v.  3. 

"  A  bheil  thu  an  diiil,"  arsa  Napoleon  ri 
Seanalair  Gourgaud,  "nach  bhi  droch  mhionai- 
dean  agam-sa  leam  fhein,  an  uair  a  dhuisgeas 
mi  anns  an  oidhche."  Tha  na  h-aingidh  cos- 
mhuil  ris  a'  mhuir  bhairte  nach  urrainn  a  bhi 
aig  fois  Chan  'eil  sith  deir  mo  Dhia,  do  na 
h-aingidh. 

"  Tha  e  fadalach  do  dhuine  a  bhi  leis  fhein 
anns  an  dorchadas."  Sin  facal  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  Uilleam  Tyndale,  fear  de  na 
ceud  sgoilearan  a  thionndaidh  am  Biobull  gu 
Beurla. 

Thubhairt  aon  d'a  oghachan  mu'n  Ollamh 
Raibeart  Rainy  nach  maireann  gu'm  biodh  e  a' 
dol  do  neamh  a  h-uile  oidhche,  a  chionn  gu  robh 
e  cho  aoibheil  sona  anns  a  mhaduinn.  An  uair  a 
dhuisgeas  mi,  ars'  a?i  Salmadair,  tha  mi  a  ghnath 
maille  riut.  Ach  c'aite  am  bi  iadsan  a'  dol  anns 
an  oidhche  a  bhios  crosda  agus  air  droch  shaod 
anns  a  mhaduinn  ? 

Theagamh  gu  bheil  cuid  de  luchd-leughaidh 
nan  duilleagan  so  a'  fulang  le  cion  cadail,  agus 
a'  caitheamh  an  airgid  air  dotairean  a  tha 
feuchainn  r'  an  leigheas,  ach  an  d'  fheuch  iad 
riamh  ri  iad  fein  a  leigheas  ?  Na'n  rachadh  iad 
air  an  gliiinean  a  h-uile  oidhche  agus  iirnuigh 
a  dheanamh,  bheireadh  sin  dliith  iad  ri  Dia, 
affus  is  ann  ann  an  Dia  a  mhain  a  tha  tobraich- 
ean  na  beatha  affus  na  sithe. 


lOSA  AN  ASEIRIGH 


losa  an  aseirigh 


THA  againn  an  so  briathran  an  t-Slanuighir, 
a  labhair  e  ri  Marta,  an  deidh  bais  a  brathar, 
■  Lasarus.  Bha  e  fein  agus  a  piiithai-,  Miiire, 
ag  gearain,  nach  robh  losa  maille  riu,  an  uair  a 
dh'flias  am  brathair  Lasarus  tinn.  Chuir  iad 
fios  air  ball  d'a  ionnsaigh,  ag  radh,  "  A  Thigh- 
earna,  feuch  tha  an  ti  as  ionmhuinn  leat 
tinn."  Ach  'an  aite  dha-san  dol  air  ball  a 
dh'ionnsaigh  tigh  a'  bhroin  b'ann  a  dh'fhan  E 
fathast  da  la  anns  an  ionad  'san  robh  e.  B'  ion- 
gantach  an  dail  a  chuir  e  ann  am  freagradh  na 
teachdaireachd  a  chuireadh  d'  a  ionnsaigh, 
agus,  ann  am  fiosrachadh  nam  muinntir  a 
b 'ionmhuinn  le  is  ;  ach  is  ainm  dha  "  an  t- 
longantach,"  agus  chan  urrain  a  shluagh  an 
comhnuidh  a  shligheanna  a  lorgachadh,  no 
fhaicinn  c'ar  son  a  tha  e  buntuinn  riu  mar  a  tha 
c  a'  deanamh,  ged  a  dh'fheudas  iad  a  chreidsinn 
gun  dean  e  aig  gach  am  na  bhitheas  chum 
gloir  Dhe,  agus  a  chum  maith  an  dream  as 
ionmhuinn  leis.  Ach  ged  a  chuir  e  dail  'na 
theachd  cha  d'fhane  air  falbh  uathasan  a  tha 
'g  a  iarraidh,  ach  uinn  ghearr.  Gun  teagamh 
thainig  e  aig  an  uair  a  b'fhear.  Agus  air  dha 
tcachd  chaidh  Marta  'n  a  chodhail,  agus  thuirt 
i  ris,  "  A  Thighearna  na'm  biodh  tusa  an  so, 
chan  fhaigheadh  mo  bhrathair  bas.  Bha 
creidimh  aice  ;  ach  cha  robh  a  creidimh  cho 
laidir  ri  creidimh  a'  Chaiptincheud,  a  thubhairt 
ris  :  A  Thighearna,  chan  airdh  mise  air  Thusa 
a  theachd  a  steach  fo  m'  chleith  ;  ach  a  mhain 
abair  am  facal  agus  slanuichear  n^'  oglach 
(Mat.  viii.  8).  Ach  ged  nach  robh  creidimh 
Mhatta  ach  anmhunn  cha  do  thilgeadh  e  ; 
ach  labhair  losa  rithe  na  bha  freagarrach  Chum 
a  creidimh  amhaithachadh.  Eiridh  do  bhrathair 
a  rithist,  thuirt  e  rithe.  "  Tha  fhios  agam," 
ai's'  ise,  gun  eirich  e  a  ris  's  an  aseirigh  air  an 
la  dheireannach.  Tha  a  cainnt  a'  sealltainn 
a  mach  nach  bu  leor  leatha  an  solas  so,  mar 
gun  abradh  1  :    "  Ciod  a  ni  sin  dhuinn  a  nis  ?  " 

Tha  am  brathair  gradhach,  ar  cul-taice,  air 
a  thoirt  uainn.  Agus  ged  a  tha  sinn  a'  creidsinn 
gun  eirich  e  air  an  la  dheireannach,  tha  ar 
solas,  ar  toil-inntinn,  ar  cuideachadh  air  an 
toirt  uainn  a  nis  agus  tha  sinn  Ian  de  bhron. 

Ach  chaidh  e  air  aghaidh  fhathast  a  thoirt 
tuillidh  teagaisg  agus  misnich  dhi,  le  bhi  ag 
radh  "  Is  mise  an  aseii'igh  agus  a'  bheatha," 
etc.  Bha  bonn  misnich  ann  an  so,  chan  ann 
di-sa  a  mhain,  ach  do  phobuU  an  Tighearna 
anns  gach  uile  linn,  an  uair,  a  chi  iad  an  cairdean 
agus  an  luchdeolais  a  fhuair  bas  anns  an  Tigh- 
earna, air  an  gairm  air  falbh.  Is  dorch,  coimh- 
each,  gruaimeach  coltach  an  teachdair  am 
bas  ;  is  cumhann  tosdach  duaichnidh  an 
t-aite-comhnuidh    an    uait>-h  :     Ach    dhoibhsan 


a  choidleas  an  losa  tha  am  bas  'n  theachdaire 
sithe,  agus  an  uaigh  'n  a  leabaidh  fhoisnich. 
Agus  tha  iad  mar  sin  direach  do  bhrigh  f  irinn  na 
thubhairt  losa  an  so  ri  Marta  :  "is  mise  an 
aiseirigh." 

Ann  an  oidhirp  thoirt  chum  na  briathraibh 
so  fhosgladh  suas  bheireamaid  fainear  na  tha 
Criosd  ag  radh.  (1)  Mu  thimchioll  fein;  (2)  mu 
thimchioll  na  muinntir  a  bheannaichear  leis, 
agus  (3),  mu  thimchioll  nam  beannachd  a  gheall 
e  do'n  dream  sin. 

1.  Faiceamaid  na  tha  an  Slanuighear  bean- 
naichte    ag   radh    an   so   m'a   thimchioll   fein  : 

"  Is  mise  'an  aiseirigh  agus  a'  bheatha." 
Tha  teagasg  na  h-aiseii'igh  a'  dealradh  a  mach 
gu  soilleir  anns  an  Tiomnadh  Nuadh.     Chuir 

an  Slanuighear,  losa  Criosd  "  as  do'n  bhas 
affus  thuff  e  beatha  affus  neo-bhasmhorachd 
chum  soluis  tre'n  t-soisgeul  (2  Tim.  i.  10). 
Chuala  na  mairbh  a  ghuth  am  feadh  a  bha 
e  bhos  air  thalamh  ;  agus  iadsan  a  chuala  e 
thainig  iad  beo.  An  uair  a  thugadh  beo  mac 
na  bantraich  ann  an  Nain  (Luc  vii.  15)  agus 
nighean  lairuis  (Luc  viii.  35).  Agus  Lasarus 
ann  am  Betani  thugadh  deai'bhachd  shoilleir 
gu  bheil  am  bas  fo  smachd  do  Chriosd.  Agus 
eadhon  an  uair  a  gheill  e  e  fein  do'n  bhas 
rinneadh  aithnichte  gun  robh  buaidh  aigesan 
thar  righ  nan  uamhasan  ;  oir  aig  an  dearbh 
am's  an  d'thug  e  suas  a  Spiorad  dh'fhosgladh 
na  h-uaighean,  agus  dh 'eirich  moran  de  chor- 
paibh  na  naomh  a  bha  'n  an  codal  agus  chaidh 
iad  a  mach  as  na  h-uaighibh  an  deidh  ais-eirigh- 
san,  agus  chaidh  iad  a  steach  do'n  l)haile  naomh 
agus  nochdadh  iad  do  mhdran  (Mat.  xxvii. 
52,  53). 

Chan  fhacas  iomchuidh  leis  an  tighearna 
innseadh  dhuinn  ciod  a  dh'  eirich  an  deigh 
sin  do'n  dream  a  thugadh  beo,  co  dliiubh  a 
fhuair  iad  bas  a  ris  no  nach  d'fhuair  ;  no  co 
dhiiibh  a  thugadh  an  cuirp  suas  gu  gloir — 
ach  mu  aon  ni  tha  sinn  cinnteach,  chionn  gu 
bheil  e  gu  soilleir  air  fhoillseachadh  dhuinn, 
eadhon  so  "  air  do  Chriosd  eirigh  o  namarbhaibh 
nach  basaich  e  ni's  mo  ;  chan  'eil  tighearnas 
aig  a'  bhas  na's  mo  air.  (Rom.  vi.  9)  Chan 
fhac  esan  truaillidheachd.  Thog  Dia  suas 
e  "  air  dha  piantan  a'  bhais  fhuasgladh  ;  do 
bhrigh  nach  robh  e  'n  comas  gun  cumtadh 
esan  leis  (Gn.  il.  24).  "  Ach  a  nis  tha  Criosd  air 
eirigh  o  na  marbhaibh  agus  rinneadh  an  ceud 
thoradh  dhiubhsan  a  choidil  dheth "  (1  Cor. 
15-29).  Agus  Ma  chreideas  sinn  gun  d'fhuair 
losa  bas  agus  gun  dh 'eirich  e  ris  amhuil  sin 
mar  an  ceudna  an  dream  a  choidil  an  losa 
bheir  Dia  maille  ris." 

Ann    ar   bonn   teaffasff   tha    cinnteas    na   h- 


6 


lOSA  AN  ASEIRIGH 


aiseirigh  air  a  ciir  gu  ro  shoilleir  'n  ar  'n  aghaigh. 
Bha  na  cairdean  diadhaidh  agus  coibhneil  a 
bha  aig  an  t-Slanuigheai*  ann  am  Betani  fo 
thursa  ro  mhor.  Cheadaich  e  do'n  bhas 
an  teaghlach  fhiosrachadh  agus  am  brathair 
gradhach  a  ghairm  air  falbh.  Bha  na  peathrai- 
chean  Ian  de  bhi-on.  Bha  Lasarus  a  cheana 
ceithir  laithean  'san  uaigh.  Bha  cuideachd 
mhor  de  na  h-hxdhaich  air  cruinneachadh  a 
dh  'ionnsuidh  tigh  a'  bhroin,  chum  comfh- 
urtachd  a  thoirt  do  na  peathraichibh  a  thaobh 
am  brathar. 

Agus  "  ghuil  losa  "  fein  aig  an  uaigh  ; 
cha  d'innis  e  air  tus  ciod  a  bha  e  gu  dheanamh 
air  an  son.  Ach  mu'n  do  thog  e  Lazarus  o  na 
marbhaibh  thug  e  solas  dhoibh  le  bhi  a'  cur 
an  ceill  dhaibh  nam  firinne  mora  a  tha  romhainn 
a  nis.  "  Is  mise  an  Aiseirgh  agus  a  bheatha  " 
Tha  da  ni  an  so  leis  an  d'thug  E  comhfhurtachd 
dhoibh. 

1.  "Is  mise  an  aiseirgh."  Thubhairt  Marta 
ris  "  Tha  fhios  agam  gu'n  eirch  e  a  ris  'san 
aiseirigh  air  an  la  dheireannach."  "  Thuirt 
losa  rithe,"  "  Is  mise  an  aiseirigh."  Ciod  a 
bha  e  a'  ciallachadh  le  so  a  radh  ?  Ar  leam  gu 
feudar  na  nithean  so  a  leanas  a  thogail  o'n 
chainnt  : 

(a)  Gur  h-Esan  Ughdar  na  h-aiseirigh — gur 
h-ann  'n  laimh  agus  'na  chumachd-san  a  ta 
an  aiseirigh,  air  chor  as  gun  toir  e  beo  an 
dream  as  aill  leis,  agus  aig  an  am  as  aill  leis 
fein.  Is  ann  a  tha  e  mar  gun  abradh  e ' '  Chan  e 
a  tha  'san  aiseirigh  o  na  marbhaibh  ni  a  dh-fheu- 
mas  tachart  mar  ni  a  dh-orduicheadh  le  Dia, 
agus  a  choilionar  'n  a  am  ;  ach  is  ni  i  a  tha  fo 
mo  smaehdsa,  agus,  ann  mo  chumhachdsa 
chum  a  coilionadh  an  uair  as  aill  leam."  Tha 
cumhachd  na  h-aiseirigh  gu  h-iomlan  ann  an 
laimh  a'  chuspair  aig  an  robh  a  chorp  naomh 
roimh  so  'n  a  laighe  ann  an  uaigh  loseph. 
Thug  an  t-Athar  an  cumhachd  sin  dha-san  mar 
sheirbhiseach  agus  mar  Shlanuighear  an  t- 
saoghail  (Mat.  xxviii.  18).  Thubhairt  e  fein 
'n  a  theagasg  roimh  so,  "  Mar  a  ta  an  t-Athair 
a'  diisgadh  agus  a'  beothachadh  nam  mar-bh, 
is  amhuil  a  ta  am  Mac  a'  beothachadh  an  dream 
as  aill  leis."  Augus  a  ris  tha  e  'g  radh,  "  A  ta 
an  iiair  a'  teachd  anns  an  cluinn  iadsan  uile  a 
ta  's  na  h-uaighibh  a  ghuth-san  ;  agus  theid 
lad  a  mach  ;  iadsan  a  rinn  maith,  chum  aiseirigh 
na  beatha  agus  iadsan  a  rinn  olc  a  chum  aisei- 
righ an  damnaidh."  (Eoin  v.)  Is  e  Criosd  a 
bheir  beo  na  mairbh  ;  agus  mar  sin  is  esan  an 
aiseirigh. 

(h)  Is  Esan  "  an  ceud-ghin  o  na  marbhaibh." 
(Col.  i.  18.) 

Oir  ged  a  bha  dream  eile  a  thogadh  o  na 
mai-bhaibh  mu'n  d'eirich  Criosd  tha  ard- 
cheannas  aige-san  anns  an  ni  so  mar  ann  an 
nithibh    eile.     Cach    a    dh'    eirich,    cha    robh 


lamh  sam  bith  aca  fein  'n  an  togail  ;  ach 
dh'eirich  esan  le  chumhachd  fein.  Bha  cum- 
hachd aige  a  bheatha  fein  a  leigeadh  sios 
agus  a  glacadh  a  ris,  an  uair  a  b'aill  leis.  "  Air 
an  aobhar  so  is  ionmhuinn  leis  an  Athair 
Mise,  air  son  gun  leig  mi  sios  m'anam,  chum 
gun  glac  mi  e  a  ris.  Chan  eil  neach  air  bith  'g  a 
thoirt  uam,  ach  a  ta  mi  'g  a  leigeadh  sios  uam 
fein  :  tha  cumhachd  agam  agus  tha  cumhacd 
agam  a  ghlacadh  a  ris  An  aithne  so  f  huair  mi 

0  ni'  athair."  (Eoin  x.  17,  18.)  Bha  an  ceann- 
toisich  aige  ann  an  eirigh  o  na  mairbh. 

(c)  Is  esan  an  ceud  thoradh  dhiubhsan  a 
choidil  ;  agus  an  deigh  a'  cheud  thoraidh  thig 
am  foghar.  Ach  gach  uile  dhuinne  'n  a  ordugh 
fein  :  "  Criosd  an  ceud  thoradh,  na  dheidh  sin 
iadsan  as  le  Criosd  aig  a  theachd."  (1  Cor. 
XV.  25.)  Mar  is  esan  an  ceud  ghin  o  na  mar- 
bhaibh, thig  teaghlach  mor  'n  a  dheidh.  Mar 
sin  mar  an  ceudna  is  esan  an  ceud  thoradh  a' 
toirt  dearbhachd  shoilleir  agus  chinnteach  gu 
bheil  toradh  ro  phailt  gu  bhi  'g  a  leantainn.  Is 
e  an  ceud  thoradh,  earlais,  na  tha  ri  teachd. 

(d)  Is  esan  mar  an  aiseirigh  an  saniladh  ris 
am  bi  a  shluagh  uile  air  an  comh-chumadh'na 
aiseirigh  san.  Roimh-orduicheadh  le  Dia  chum 
a  bhi  comh-shosmhail  ri  iomaigh  a  mhic  chum 
gum  bitheadh  Esan  'n  a  cheud-ghin  am  measg 
morain  bhraithre.     (Rom.  viii.  29-) 

Agus  Mac  a'  roimh-orduchaidh  iad,  bidhidh 
iad  air  an  deanamh  cosnihuil  ris  ann  an  corp. 
mar  a  bitheas  iad  'n  an  anam  :  oir  tha  Pol  ag 
radh  m'a  thimchioU  gur  cuspair  e  a  chruth- 
atharraicheas  an  corp  diblidh,  a  chum  gun 
deanar  e  co-chosmhail  r'a  chorp  glormhor  a 
reir  an  oibreachaidh  leis  a  bheil  e  comasach 
air  na  h-uile  nithibh  a  chur  fo  cheannsal  fein. 
(Phil.  iii.  21.)  Feudaidh  e  bhi  cruaidh  oirnn  a 
thuigsinn  cionnus  a  ghabhas  an  corp  diblidh, 
a  chaitheas  anns  an  duslach,  togail  a  ris  agus 
a  dheanamh  cosmhail  ri  corp  glormhor  Chriosd  : 
ach  ciod  an  ni  a  tha  ro  chruaidh  air  comas 
Chriosd  ?  "  B'ann  leis-san  a  chruthaicheadh  na 
h-uile  nithean,  a  ta  air  neimh  agus  a  ta  air 
thalamh,  faicsinneach  agus  neo  -  faicsinneach 
ma's  ard  chaithrichean  no  tighearnais  no  uach- 
dranachda  no  cimihachda.    (Col.  i.  16.) 

Agus  is  cinnteach  an  ti  a  chruthaich  na  h-uile 
nithean  air  tus,  agus  a  tha  'g  an  cumail  uile 
suas,  gur  comasach  esan  air  a'  chorp  a  chur 
r'a  cheile  a  ris  agus  a  mhaiseachadh  mar  is 
aill  leis  fhein. 

2.  Is  e  Criosd  mar  sin  an  aiseirigh. 

Is  esan  mar  an  ceudna  a'  bheatha  ;  agus 
do  bhrigh  gur  he  an  -aiseirigh  mar  an  ceudna. 

1  e  an  cuspair  sin  as  e  a'  bheatha  agus  esan 
a  mhain  as  urraimr  na  mairbh  a  thoirt  beo. 
Agus  is  esan  a'  bheatha  air  son  caochladh 
aobharan. 

I.  Falconer. 


NA  SEANN  LAITHEAN 


Na  Seann  Laithean 


4  NNS  an  t-seathamh  linn  deug  bha  an  leoir 
-LXri  dheananih  aig  Righ  is  Parlamaid  na  fa- 
Alba  na  finneachan  Gaidhealach  a  chumail  fo 
smachd.  An  uair  a  bhios  sinn  a'  leughadh  each- 
draidh  nan  laithean  sin  cha  nilior  gun  aniais  dad 
eile  oirnn  ach  iorghuill  is  tapaid  ;  mort  is  mar- 
bhadh  ;  ainneart  is  meirle.  Ma  tha  duine  air 
bith  an  diiil  gu'm  b'e  na  seann  laithean  a  b' 
fheaiT  na  na  laithean  a  tha  againn  an  diugh 
leughadh  e  eachdraidh  a  dhuthcha,  agus  tea- 
gaisgidh  sin  dha  a  bheachdan  atharrachadh. 
Anns  na  laithean  ud  chan  e  nihain  nach  tugadh 
tuath  no  tighearnaho-ro  air  an  lagh,ach  bha  iad 
le  cheile  an  dtiil  gu  'm  bu  namhaid  dhaibh  e. 
Cha  bu  mhaith  leo  geill  a  thoirt  do  lagh  sam 
bith  ach  an  toil  fhein,  agus  air  a'  cheann  niu 
dheireadh  bha  sin  a'  ciallachadh  "  cuid  an  fhir 
laig  a  bhi  aig  an  fhear  laidir."  Cho  fhad  agus 
a  bha  na  finneachan  uile  ag  aideachadh  tighdai'- 
ras  Thighearnan  nan  Eileanan  cha  robh  a'  chiiis 
cho  dona,oir  bhaseorsade  bhuachailleachd  air  a 
dheananih  orra,  agus  bha  e  mar  fhiachaibh  air 
Morniaor  nan  Eileanan  na  cearnan  sin  de  'n 
rioghachd  a  chumail  fo  smachd  agus  dileas  do  'n 
Chriin.  Ach  an  uair  a  chaill  Tighearnan  nan 
Eileanan  an  iighdarras  agus  an  cumhachd  bha 
ciiisean  anns  a'  Ghaidhealtachd  purraich  air 
tharraich,  bha  gach  tighearna  beag  a  nis  cho 
mhaith  r'achoimhearsnach,  agus  a'  feuchainn  ri 
bhi  na  b'  fhearr,  agus  cha  robh  ach  gle  bheag 
geill  air  a  thoirt  do  lagh  na  rioghachd. 

B'e  1560  bliadhna  an  Ath-leasachaidh,  ach  a 
reir  choslais  cha  do  I'inn  an  t-Ath-leasachadh 
atharrachadh  air  bith  ann  an  criochan  na  Gaidh- 
ealtachd.  Ma  bha  an  creideamh  air  ath-leas- 
achadh  cha  robh  coluadar  nam  finneachan  is  an 
cinn-fheadhna  air  an  leasachadh ;  bha  na  bu 
lugha  de  shith  is  riaghailt  anns  na  h-eileanan 
na  bha  annta  m'  an  deachaidh  an  eaglais  Pha- 
panach  a  chur  as.  An  aite  coinneal  na  Firinn 
a  bhi  air  a  lasadh  anns  gach  sgireachd  mar  a 
bha  Iain  Knox  an  diiil  a  bhitheadh  i,  is  ann  a 
dh'  fhas  an  dorchadas  na  bu  tiugha  na  bha  e 
riamh.  Rinn  na  tighearnan  is  na  h-uaislean 
greim  air  airgiod  na  h-eaglais ;  leig  iad  le  eaglais- 
ean  is  sgoilean  a  bhi  fas,  agus  chuir  iad  an 
t-airgiod  a  b'  abhaist  ministearan  is  maigh- 
stirean-sgoile  a  chumail  suas  'nam  pocannan 
fhein.  Bha  an  sluagh  borb  is  aineolach  ;  bha 
na  tighearnan  cho  borb  ris  an  tuath  ;  agus  is  e 
a  bha  aig  gach  fear  dhiubh  's  an  amharc  cuid  a 
choimhearsnaichfhaotainn  dha  fhein.  Bha  righ 
Seumas  is  a'  Pharlamaid  a'  maoidheadh  orra  gun 
sgur  ;  a'  deanamh  reachdan  is  laghannan  a 
bheireadh  sith  is  riaghailt  do  'n  Ghaidhealtachd, 
ach  bu  bheag  aig  maithean  Chloinn  Illeathain 
is  Chloinn  Domhnuill  sin  ;  an  uair  a  bhiodh  iad 


air  an  toirt  air  beulaobh  Comhairle  an  righ  an 
Duneideann,  neo-ar-thaing  nach  gealladh  iad 
gu  'n  deanadh  iad  an  rud  a  bha  air  aithneadh 
dhaibh,  ach  an  uair  a  gheibheadh  iad  an  cas  mu 
reir  's  a  rachadh  iad  air  an  ais  am  measg  an 
daoine  fhein,  cha  tugadh  iad  ho-ro  air  righ.  no 
comhairle,  no  lagh  na  rioghachd.  Mu  dheireadh 
dh'  fhas  ctiisean  cho  dona  's  gu  'n  do  chuir  an 
righ  roimhe,  le  aonta  na  Parlamaid,  nach  leig- 
eadh  e  leo  na  b'  fhaide  iighdai-ras  an  lagha  a 
chur  an  suarachas,  agus  a  chum  deagh-ghean 
nan  tighearnan  Gaidhealach  a  chosnadh,  dh' 
iarradh  orra  teachdaire  an  righ  a  choinneachadh 
ann  an  I  Chalum-chille  los  gu'm  feuchadh 
iadsan  agus  esan  ri  cordadh  air  choi'-eigin  a 
dheanamh  a  bheireadh  sith  is  riaghailt  do  na 
h-eileanan,  an  aite  iad  a  bhi  an  amhaichean  a 
cheile  gun  sgur,  agus  a'  toirt  diilain  cuideachd 
do  lagh  na  rioghachd.  Choinnich  na  cinn- 
'  fheadhna  is  na  h-uaislean  so  teachdaire  an  righ  ; 
Aonghus  Mac  Dhomhnuill  a  Dunbheag  an  Ila  ; 
Eachann  Mac  Illeathain  Dhubhairt  ;  DomhuU 
Gorm  Shleite  ;  Ruairi  Mac  Leoid  na  h-Earadh  ; 
Caiptin  Chlann  Raonuill ;  Lachainn  Mac  Illea- 
thain Cholla  ;  Lachainn  Mac  Fhionghain  ;  Each- 
unn  Mac  Illeathain  Lochbuidhe  ;  Lachainn  is 
Ailean  Mac  Illeathain,  dearbh-bhraithrean  do 
Mhac  Illeathain  Dhubhairt  ;  Gilleasbuig  Mac 
Guaire  a  Ulbha  ;  agus  Domhull  Mac  a-Phi  a 
Colasa.  Bhoidich  iad  sin  uile  gu  robh  iad  dileas 
do  'n  Chrun,  agus  nach  robh  rud  a  b'  fhearr  leo 
na  gu  'm  biodh  umhlachd  air  a  thoirt  do  'n  lagh 
'nan  criochan,  a  chum  gu'm  biodh  sith  is  ceartas 
a'  riaghladh  anns  an  tir.  Eadar  iad  fhein  is 
teachdaire  an  righ  rinneadh  naoi  riaghailtean 
ris  an  abrar  Reachdcm  I,  agus  thug  iad  uile 
am  boid  's  am  mionnan  gu  'm  feuchadh  iad  ri 
thoirt  air  an  t-sluagh  geill  a  thoirt  do  na  reach- 
dan  sin. 

1.  Bha  na  h-eaglaisean  a  bha  fas  no  a  thuit 
sios  ri  bhi  air  an  togail ;  an  tuilleadh  mhinis- 
tearan  ri  bhi  air  an  suidheachadh  ;  agus  an 
t-Sabaid  ri  bhi  air  a  coimhead  naomh.  Chaidh 
aireamh  nam  ministearan  an  lughad  an  deidh 
an  Ath-leasachaidh  ;  na  dh'  fhagadh  dhiubh  cha 
robh  iad  a'  faotainn  tuarasdail  ach  mar  a  thoil- 
icheadh  na  tighearnan  a  thoirt  daibh  ;  bha 
dimeas  air  a  dheanamh  orra  leis  an  t-sluagh 
(bha  an  tuath  a'  deanamh  mar  rinn  na  tigh- 
earnan). Mar  sin  bha  an  reachd  air  a  dheanamh 
gu  'm  biodh  a  coirichean  air  an  toirt  air  an  ais 
do  'n  eaglais  a  chum  gu  'n  teagaisgeadh  i  an 
sluagh. 

2.  Bha  tighean-osda  ri  ,bhi  air  an  togail 
ann  an  aitean  freagarrach  anns  na  h-eileanan, 
a  chum  iad  a  bhi  goireasach  do  luchd-siubhail, 


•8 


NA  SEANN  LAITHEAN— AN  CUL-TAICE— FONN 


agus  a  chum  nach  biodh  luchd-siubhail  'nan 
uallach  do  'n  tuath,  oir  dh'  fheuniadh  iad  cuid 
na  h-oidhche  a  thoirt  daibh  an  uair  nach  robh 
aite  eile  aca  anns  am  fanadh  iad. 

3.  Bha  aireamh  nan  daoine  a  bha  diomh- 
aineach  ri  bhi  air  a  lughdachadh.  Ann  an 
tighean  nan  tighearnan  bha  moi-an  dhaoine  nach 
robh  a'  solaradh  air  son  an  loin  ;  bha  iad  air  am 
beathachadh  le  cuid  na  tuatha  a  bha  cumail 
suas  nan  slaodairean  sin  a  thuilleadh  air  mal  a 
phaigheadh  do  'n  uachdaran.  Mar  sin  bha  e  air 
a  shuidheachadh  nach  gleidheadh  na  h-uach- 
darain  ach  aireamh  shonruichte  de  ghillean.  a 
reir  am  feum  's  an  inbhe.  Bha  e  air  a  shuidh- 
eachadh cuideachd  nach  faodadh  duine  fantuinn 
anns  an  duthaich  mur  robh  ceaird  no  obair  aige 
leis  an  coisneadh  e  a  Ion. 

4.  Daoine  laidir  (nach  buineadh  do'n  duth- 


aich) a  bha  siubhal  ag  iarraidh  deii'ce,  bha  iad 
I'i  bhi  air  am  peanasachadh  mar  mheii'Uch. 

5.  Bha  deoch  laidir  ri  bhi  air  a  cur  as  cho 
fad  's  a  ghabhadh  sin  deanamh.  Bha  iad  am 
beachdgu  'm  b'e  pailteas  an  uisge-bheatha  a  bu 
choireach  do  n  bhochduinn  agus  do  'n  bhuirbe  a 
bha  anns  na  h-eileanan. 

6.  Bha  a  h-uile  duine  uasal  no  tuathanach 
aig  an  robh  tri  fichead  ceann  cruidh  r'a  mhac 
a  bu  shine  a  chuir  do  sgoil  anns  a'  Ghalltachd, 
no  mur  robh  mac  aige,  a  nighean  a  bu  shine, 
gus  an  ionnsaicheadh  iad  Beurla  a  labhairt  's  a 
leughadh  's  a  sgriobhadh. 

7.  Bha  musgaidhean  air  an  toirmeasg  a 
bhi  aig  an  tuath. 

8.  Bha  na  baird  is  diomhailtich  de'n  t-seoi-sa 
sin  ri  bhi  air  am  fosrar. 


An  Ciil-Taice 


BHA  mnathan  cho  mhaith  ri  fir  am  measg 
nan  Gaidheal  air  an  do  bhuilich  a'  Cheolraidh 
spiorad  na  bardachd.  Am  measg  mhoran  eile 
a  dh'  fhaodamaid  ainmeachadh  tha  Bean 
Thorra-Dhaimh,  mar  theireadh  iad rithe ;  boirion- 
nach  coir,  diadhaidh,  a  rugadh  anns  an  Lagan, 
am  Baideanach.  Fhuair  i  a  cuid  fein  de 
thrioblaidean  an  t-saoghail  so,  oir  bha  i  criibach 
is  chaill  i  a  fradharc,  ach  bha  inntinn  thoilichte 
aice.  Latha  a  chaidh  foirfeach  'g  a  h-amharc, 
thainig  e  orra  's  i  leum  air  bhataichean.  An 
uair  a  dh'  fheoraich  e  ciod  a  bha  i  deanamh, 
thuirt  i  ris  gu  robh  i  dannsadh  mar  a  rinn 
Daibhidh  an  lathair  an  Tighearna. 

Rinn  i  cho  mhaith  ri  deich  air  fhichead  laoidh, 
laoidhean  anns  am  faighear  sugh  an  fhein- 
fhiosrachaidh  Chriosduidh.     So  rannan  a  rinn  i. 


Cairich  t'  eallach  air  a  ghuaillibh, 
Oir  's  ann  bhuaith  a  thig  do  neart-sa  ; 
'S  ged  nach  beachdaich  thus'  a  ghluasad, 
Creid  gu  luath  gu  bheil  E  faisg  ort. 
Feith  gu  foighidneach  ri  thiom-san, 
'S  imich  direach  reir  a  reachda  ; 
Ruith  do  reis  le  faire  's  dichioll, 
'S  ann  le  stri  a  ni  thu  streapadh. 

'N  uair  bhios  fiaradh  ann  ad  chrannchur, 
Creid  gu'n  tionndaidh  e  gu  d'  thaitneachd 
Bheir  seillean  maith  o  lusaibh  searbha. 
Mil  bhios  tarbhach,  brioghmhor,  blasda. 
Ged  bhiodh  am  Freasdal  dhuit  air  uairibh, 
Tuilleadh  's  cruaidh  a  reir  do  bheachd-sa  ; 
Tuig  gur  gliocas  thug  mu'n  cuairt  e, 
'S  gheibh  thu  buannachd  as  am  pailteas. 

Thug  e  buaidh  os  cionn  do  naimhdibh, 
'S  bheir  e  gras  an  am  na  h-airce, 
Ruith  d'a  ionnsuidh  le  fein-aicheadh, 
'S  dearbh  nach  failnich  do  Chid-taice. 


Fonn 


EIRICH  's  tog  do  shuil  an  ard, 
Seall  air  losa  sheas  'n  ad  ait  ; 
Faic  e  gleac  chum  do  shlaint  ; 
Le  bhas  a'  saoradh  d'anam  dhuit. 

Mo  thlachd  'san  ti  ni  dhomh  am  feum 
'Se  sin  dhomh  losa  aon  Mhac  Dhe 
'Sa  ghras  a  threoraicheas  mo  cheum 
Gu  reidh  air  slighe  na  faileanachd. 

Tha  ghealladh  grasmhor  dhonih  gach  la 
Nach  cuir  e  ciil  riunl  gu  brath 
'Se  mo  dhiirachd  dh'oidhch  is  la 
Bhi  tamh  fo  sgaile-san  a  sgeitheasan. 

Nuair  bha  an  Spiorad  riumsa  strith, 
Bha  mi  an  diiil  gun  robh  a  dhith, 
Chill  mi  guth  thug  dhomh  an  t'sith 
Sa  rinn  mo  chridhe  'n  a  lasair  dhomh 


Thig  am  ionnsuidh  tha  e  'g  radh, 
'S  gheibh  thu  sith  is  pailteas  grais  ; 
Na  deansa  t^ir  air  a'  ghradh, 
'S  gu  brath  cha  bhi  ort  aithreachas. 

Nuair  a  bha  an  cinne-daonn, 
Air  an  cumail  sios  fo  dhaors  ; 
'S  e  losa  thog  sinn  le  a  ghaol, 
G'ar  saoradh  bho'n  mhallachadh. 

Nach  truagh  nia  ni  sinne  tair 
Air  losa  cheannaich  sinn  le  bhas 
O,  biodh  ar  cridhe  blath  le  gradh 
Dha'n  t-Slanuighear  bheannaichte. 

I  leanaibh  dliith  ri  fear  ar  graidh 

'S  e  gradh  a  leanas  ruinn  ruinn  gu  brath 

Le  creidimh  beo  is  dochas  slaint 

Gu  paras  De  's  na  Flaitheanas. 

N.  McD.,  Caolas  Phaibil. 


Air 


93 


Searmon 


"  Leighisidh  mise  an  cul-sleamhnachadh,  gradhaichidh  mi  iad  gu  saor  ;  oir  phill  mo  ckorruich  air 

falbh  uaithJ''' — Hosea  xiv.  4. 


ANN  an  labhairt  o  na  briathraibh  grasmhor 
-SO  air  an  t-Sabaid  s'  a  chaidh,  thugadh  fan 
ear,  I,  an  galair  eagalach  fo  'n  robh  Irsael  a' 
saothrachadh  ;  agus  II,  an  Lighiche  glormhor 
a  tha  ag  radh  :  "  Leighisidh  mise,  etc."  Is  a 
rithisd  an  galair  ciil-sleamhnachaidh,  no,  tuiteam 
air  falbh  o  Dhia  le  aingidheachd.  Chunnaic 
sinn  gur  galair  spioradail  e  :  galair  leaninhuin- 
neach  ;  galair  ro  nihealltach  ;  agus  galair 
basmhor  ;  gu  bheil  e  do-dheanta  do  chreutar 
sani  bith  a  leigheas  :  ach  an  ni  a  tha  do- 
dheanta  do  dhaoine  tha  e  coniasach  do  Dhia: 
Luc  xviii.  27.  Is  e  an  lighiche  beannaichte  an 
Tighearna — an  Ti  a  fhuair  am  brosnuchadh, 
agus  air  an  do  rinneadh  tair — Cuspair  a  tha 
mall  a  chum  feirge,  agus  pailt  ann  an  coibhneas- 
graidh,  agus  ann  an  caomh-throcairibh.  Is  e  an 
Lighich,  gu  sonraicht,  an  Tighearna  losa  Criosd, 
an  Cuspair  glormhor  a  thainig  a  mach  o  Dhia, 
agus  a  ghabh  nadur  na  muinntir  thinn  ;  agus 
a  b'urrainn  a  radh  "  Tha  Spiorad  an  Tighearna 
lehobhah  orm  ;  do  bhrjgh  gun  d'ung  an  Tigh- 
earna mi,  a  thoirt  deagh  sgeil  do'n  mhacanta 
chuir  e  mi  ;  a  cheangal  suas  luchd  a'  chi'idhe 
bhriste,  a  dh'eigheach  fuasglaidh  do  na  braigh- 
dibh,  agus  fosgladh  a'  phriosain  dhaibhsan  a 
ta  ceangailte,  Isa.  Ixi.  1 .  Is  Lighich  ro  ghrasmhor 
agus  ro  eolach,  e,  ro  -uUamh  chum  eisdeachd  a 
thoirt,  agus  ciiis  na  dream  a  tha  tinn  a  ghabhail 
OS  laimh.  Is  Lighich  e  as  urrainn  beatha  is 
slainte  a  thoirt ;  agus  nach  iarr  duals  air  son  a 
shaothrach. 

Is  Lighich  e  a  tha  dliith  do'n  euslan,  agus  a 
dh'ionnsuidh  am  feud  iad  tighinn  aig  gach  am. 

Ach  gun  leudachadh  air  na  nithibh  so, 
thigeamaid  an  diugh  gu  bhi  a'  sealltainn  ri 
beagan  nithibh  mu  thimchioll  na  h-iocshlaint 
leis  a  bheil  e  a'  leigheas  cul  -  sleamhnachaidh 
a  shluaigh.  Ciod  iad  na  cungaidhean-leighis  a 
tha  e  a'  cleachadh,  an  uair  a  tha  e  ag  aiseag 
slainte  do'n  dream  a  tha  tinn  ?  Chan  e  na 
h-uile  ni  a  ni  stad  a  chur  air  a'  ghalair  so. 

Oir  is  galair  ro-dhomhain  e,  aig  a  bheil  a 
fhreumhaichean  shios  ann  an  doimhneachdaibh 
a'  chridhe,  agus  nach  d'fhag  buaidh  de'n  anam 
no  ball  de'n  chorp  air  nach  do  rinn  e  greim. 
Ciod  iad  ma  seadh  cuid  de  na  nithibh  araidh  a 
tha  an  Tighearn  losa  a'  gabhail  chum  a  thoirt 
air  falbh  ? 

Tha  e  a'  leighis  le  fhuil  luachmhor  fhein  a 


charadh  ris  an  anam  thinn.  Tha  am  peacadh 
a'  truailleadh  an  anam  ;  agus  tha  e  'g  a  fhagail 
ciontach  ann  an  lathair  Dhe.  Tha  eadar- 
dhealachadh  eadar  an  trioblaid  so  agus  iomadh 
ti'ioblaid  eile.  Tha  cionta  comh-cheangailte  ri 
peacadh.  Tha  comh-cheangal  do-sgaraichte 
eatorra.  Tha  am  peacach  a'  toiltinn  a'  bhais  ; 
agus  chan  'eil  dol  as  o  a  thoiltinneas  as  eugmhais 
dortadh  fola.  Agus  chan  e  na  h-uile  full  a 
dh'fhoghnas  chum  lagh  agus  ceartas  ariarachadh. 
Chan  fhoghainn  iobairte-loisgte,  no  laoigh  a 
bhios  bliadhna  a  dh'aois.  Cha  leor  milte  de 
reitheachaibh  no  deich  milte  de  shruthaibh  ola. 
Chan  fhoghainn  e  eadhon  ceud-ghin  duine  air 
son  a  chionta,  no  toradh  a  chuirp  air  son  cionta 
anama,  Mi.  vi.  67  :  Cf.  Eabh  x.  5-9-  Cha 
lugha  na  full  rioghail  nam  flaitheanas  a  ghlanas 
cionta  peacaidh  air  falbh  ;  agus  cha  lugha  na  i 
sin  a  bheir  slainte  do'n  chridhe  leointe  agus 
do'n  choguis  chiontach.  Rinn  an  fhuil  sin  reite. 
Riaraich  i  gu  h-iomlan  ceartas  a  bha  an  toir 
air  a'  chiontach  ;  agus  dh'ardaich  i  an  lagh  a 
rinn  i  a  bhriseadh.  Ach  chan  e  sin  mhain  na 
rinn  i.  Bheir  sealladh  a'  chreidimh  de'n  fhuil, 
no  ann  am  briathraibh  eile,  de  Chriosd  air  a 
cheusadh,  sith  a  dh'ionnsuidh  na  coguis  agus 
glanadh  a  dh'ionnsaigh  a'  chridhe.  Bheir  an 
sealladh  sin  beatha  agus  fallaineachd  a  dh'ionn- 
saigh an  neach  a  bha  tinn  gu  bas. 

Agus  O  nach  ann  a  tha  an  trocair  do-innsidh 
amis  a'  Chuspair  Uile-bheannaichte  a  leag  sios 
a  bheatha  fein  gu  toileach  air  son  a  shluaigh  ! 
Bha  cunntas  againn  o  chionn  ghoii'id  mu  lighiche 
Frangach  a  bha  frithealadh  duine  tinn,  a  thug 
na  h-uile  lighiche  eile  thairis.  Bha  fuil  an  duine 
ann  an  staid  gum  feumadh  i  bhi  air  a  toirt  air 
falbh  no  gum  feumadh  e  basachadh.  Ach  c'ait 
am  faight  fuil  a  ghabhadh  a  h-aite  ?  Chan 
fhoghnadh  ach  fuil  duine  beo  ;  ach  c6  bhiodh 
toileach  feith  no  cuisle  fhosgladh  ann  fhein, 
agus  fhuil  a  thaomadh  a  steach  ann  an  cuisil 
an  fhir  a  bha  basachadh  .''  Cha  b'e  na  h-uile 
neach  a  dheanadh  e,  ach  bha  an  lighiche  co 
deigheil  air  an  duine  a  shaoradh  o'n  bhas  agus 
gun  d'fhosgail  e  a  chuisle  fhein  agus  gun  do 
rinn  e  piop  a  chur  eadar  e  fein  agus  cuisle  an 
duine  thinn.  Thug  e  mar  so  an  fhuil  as  a  chorp 
fhein  agus  chuir  e  i  ann  an  corp  an  duine  thinn. 
Agus  b'e  an  toradh  a  lean  gun  robh  an  duine 
tinn  CO  slan  's  a  bha  e  riamh  ;    ach  fhuair  an 


2 


SEARMON 


lighiche  bas.    Bhuin  an  lighiche  so  air  an  doigh 
so  ris  an  duine  bhochd  a  bha  basachadh. 

Shaoil  leis  ro  choltach  gum  faodadh  e  fein 
mairsinn  beo  ged  a  chaill  e  na  h-uiread  d'a 
fhuil  :  Ach  bha  fios  aig  Criosd  gum  b'eigin  da 
am  bas  fhaotainn  ma  bha  e  gu  peacaich  a 
shaoradh,  Bha  fios  aige  nach  deanadh  ni  ach 
fhuil  an  saoradh. 

Bha  fios  aige  mar  an  ceudna  gum  bu  naimh- 
dean  iadsan  uile  air  son  an  robh  E  'g  a  dortadh. 
Agus  cha  robh  ni  sam  bith  a  chumadh  air  ais 
e  o  bhi  'g  a  thaigseadh  fein  'n  a  iobairt-reitich 
air  son  a  shluaigh.  Feuchaibh  ciod  a'  ghne 
ghraidh  a  tha  an  so  !  Co  e  dh'innseas  a  leud 
no  f  had.  Co  thonihaiseas  airde  no  a  dhoimhne  ? 
"  Air  dhuinn  a  bhi  fathast  gun  neart  ann  an 
am  iomchuidh  bhasaich  Criosd  air  son  nan 
daoine  neo-dhiadhaidh. ' '  Ach  a  ta  Dia  a'moladh 
a  ghraidh  fein  duinne,  do  brigh  an  uair  a  bha 
sinn  fathast  'n  ar  peacaich,  gun  d'fhuiling 
Criosd  bas  air  ar  son  "  Rom.  v.  6-8. 

Is  i  fuil  Chriosd,  mar  so,  earrainn  de'n  iocsh- 
laint  a  tha  a'  slanachadh  na  dream  a  tha  tinn  gu 
bas.  Agus  O,  nach  i  a  tha  buadhach  an  uair  a 
tha  i  air  a  caradh  leis  an  Spiorad  Naomh  ! 
Cuimhnichibh  mar  a  ta  sinn  a'leughadh  "  Seall- 
aibh  riumsa  agus  bithibh  air  bhur  tearnadh, 
uile  iomallaibh  na  talmhainn  ;  oir  is  mise  Dia 
agus  chan  'eil  atharrachadh  ann  "  Isa.  xlv.  22. 
Agus  mar  a  thog  Maois  suas  an  nathair  'san 
fhasach  is  ann  mar  sin  as  eigin  do  mhac  an 
duine  bhi  air  a  thogail  suas  :  chum  as  cia  b'e 
neach  a  chreideas  ann  nach  sgriosar  e  ach 
gum  bi  a'  bheatha  mhaireannach  aige,  Eoin 
iii.  14-15. 

O  gu  bhi  ag  amharc  air  a  la  is  a  dh'  oidhche, 
a  shabaid  is  a  sheachduin  !  Chan  'eil  sealladh 
coltach  ris  fo'n  ghrein — chan  'eil,  no  os  a  cionn. 
"An  ti  a  chreideas  annsan,  cha  ditear  e  ;  ach 
an  ti  nach  creid  tha  e  air  a  dhiteadh  a  cheana, 
chionn  nach  do  chreid  e  an  ainm  Aon-ghin 
Mhic  Dhe,"  Eoin  iii.  18. 

Tha  Criosd  a'  leigheas  le  a  Spiorad  ;  agus 
mar  nach  feud  leigheas  ruigheachd  oirnn  as 
eugmhais  fola  Chriosd,  cha  mho  na  sin  a  dh' 
f  heudas  slainte  bhi  ann  as  eugmhais  a  Spioraid. 
Tha  iocshlaint  na  fola  feumail  agus  maith  ; 
ach,  maille  ri  sin,  feumaidh  anail  na  beatha  bhi 
teachd  o  na  ceithir  ghaothaibh,  agus  ag  ana 
lachadh  air  na  mairbh  spioradail  a  chum  's  gun 
tig  iad  beo.  Oir  cha  tinneas  a  mhain  a  tha  ann 
ach  bas.  Dh'fheudadh  an  iocshlaint  a  b'fhearr 
a  bha  riamh  ann  a  bhi  air  a  sgapadh  ann  an 
gleann  nan  cnahma  tiorma,  ach  as  eugmhais 
an  anail  dh'fhanadh  iad  marbh.  Tha  an  Tigh- 
earna  a'  dortadh  nuas  a  spioraid  Naoimh  ; 
agus  an  uair  a  tha  an  Spiorad  ag  oibreachadh 
gu  h-eifeachdach  tha  e  beothachadh  nam  marbh ; 
tha  e  toirt  cluasa  do  na  bodhair,  agus  suile  do  na 
doill.  Tha  esan  a'  soillseachadh  nan  siil  nach 
maith  a  chi.    Agus  ciod  a  thacharas  an  uair  a  tha 


esan  a  leigheas  ?  Air  son  aon  ni,  tha  e  a' 
deanamh  a'  ghalair  aithnichte  do'n  duine  thinn. 
Shaoil  leis  uair-eigin  gun  robh  e  slan,  no  mun 
robh  gu  h-uile  nach  robh  moran  tinneis  air  ; 
agus  gum  b'fhurasd  an  ni  a  shlanuchadh  :  agus 
mar  sin  cha  robh  e  a'  cur  mor  churam  air,  co 
dhiubh  a  fhuair  e  leigheas  no  nach  d'fhuair. 

Ach  an  uair  a  tha  Spiorad  an  Tighearna  a' 
slanuchadh,  tha  e  a'  leigeadh  ris  do'n  anam  a 
ghalair  agus  am  feum  a  tha  aige  air  an  iocshlaint 
a  dh'ullaichadh,  agus  as  eughmhais  gum  feum 
e  basachadh.  Tha  e  ris  a'  toirt  aithne  dha  air 
an  leighiche  agus  air  an  iocshlaint  leis  a  bheil  e 
a'  slanachadh  nan  creuchd.  Tha  an  Spiorad 
mar  an  ceudna  ag  ath-nuadhachadh  na  toile 
ionnus  gun  iarr  am  peacach  a  dh'ionnsuidh  an 
Lighiche,  agus  gun  gabh  e  ris  na  cungaidhean- 
leighis  a  tha  Esan  ag  orduchadh.  Tha  an  Spiorad 
beannaichte  ag  oibreachadh  creidimh  's  an  anam 
a  bha  marbh  air  chor  's  gu  bheil  e  leis  an  uile 
chridhe  a'  diinadh  ri  Criosd  mar  a  Shlanuighear 
fein.  Tha  an  Spiorad  ag  ath-nuadhachadh  an 
duine  gu  h-iomlan.  Tha  e  a'  glanadh  ;  agus 
tha  an  obair  sin  a'  dol  air  a  h-aghaidh  gus  am' 
bi  i  iomlan  aig  a'  bhas.  Feumaidh  leigheas  a 
bhi  againn  an  so,  ma  bhitheas  e  idir  againn. 
Oir  cha  teid  ni  neoghlan  a  steach  do  ghloir. 
Ann  an  obair  ath-bhreith  tha  leigheas  a'  toi- 
seachadh  ;  ach  cha  bhi  an  duine  gu  h-iomlan 
slan  gus  a  bheil  peachadh  ann  gu  h-iomlan  air 
a  sgrios  agus  gus  a  bheil  e  a'  giiilan  iomhaigh 
ghlan  na  naomhachd. 

An  obair  so  tha  Spiorad  Naomh  nan  gras  a' 
toirt  air  a  h-aghaidh  ann  am  pobull  Dhe.  Ciod 
is  aithne  dhuit  de'n  obair  so  ?  Am  bheil  i  a' 
dol  air  a  h-aghaidh  annad  fein.  Ma  tha  is  cinn- 
teach  gu  bheil  peacadh  a'  fas  na's  graineile 
dhuit  ;  gu  bheil  d'eagal  roimhe  a'  fas  na's  mo  ; 
gu  bheil  thu  na's  deine  a'  leantainn  naomhachd  ; 
agus  gu  bheil  thu  ag  iarraidh,  o  la  gu  la,  bhi  a' 
basachadh  do'n  pheacadh  agus  a'  teachd  beo 
do  fhireantachd. 

Tha  Criosd  a  leigheas  le  fhocal  fein — le 
leughadh  an  fhocail,  ach  gu  h-araidh  le  a  shear- 
monachd.  Mar  sin  tha  sinn  a'  leughadh  mu 
thimchioll  nan  amadan  a  rinn  e  thearnadh  ; 
"  ghlaodh  iad  an  sin  ri  Dia  'n  am  feum,  dh'fhuas- 
gail  o'n  teinn  gu  grad.  Le  fhocal  rinn  e'n  slana- 
chadh ;  is  shaor  o'n  sgrios  air  fad.  Tha  e  leis  an 
fhocal  a'  lotadh  ;  agus  leis  an  fhocal  a'  leigheas. 
Tha  am  focal  mar  lann  an  lighich,  a  shathar  a 
dh'ionnsaigh  doimhne  a'  chreuchd.  Feudaidh 
muinntir  a  bhi  fo  eisdeachd  an  fhocail  air  nach 
'eil  e  deanamh  dad  de  dheargadh  ;  ach  iadsan 
a  tha  ruigheachd  air  leigheas  tha  gach  aon 
dhiubh  a'  faighinn  an  fhocail  uair  no  uair  'g 
an  ciurradh,  'g  an  reubadh,  's  gam  bioradh,  mar 
shaighead  geur  a'  ruigheachd  an  cridhe  ;  no 
niar  chlaidheamh  geur,  da-fhaobhar,  ag  eadar- 
sgaradh  an  anma  agus  an  spioraid  agus  nan 
alt  agus  nan  smear,  etc.  I.  Falconer. 


CURAM   NA  CLOINNE 


Curam  na  Cloinne 


rr^HA  facal  anns  an  Talmud  ag  radh  gu'n 
-L  do  thuit  Jerusalem  a  chionn  gu'n  do  rinn  i 
dearmad  air  teagasg  na  cloinne.  Tha  cunnart 
mor  ann  do  eaglais  sam  bith  nach  toir  geill 
do'n  aithne  sin,  "  Beathaich  m'uain."  An  uair 
a  tha  clann  air  an  toirt  a  stigh  do'n  eaglais, 
ann  an  Sacramaid  a'  Bhaistidh  chan  e  mhain 
gu  bheil  boidean  air  an  cur  air  na  parantan 
an  togail  ann  an  eolas  na  firinn,  ach  tha  an 
eaglais  i  fhein  ag  aideachadh  gu  bheil  e  mar 
fhiachaibh  oirre-se  ciiram  a  ghabhail  do'n 
chloinn. 

Tha  sinn  an  diiil  nach  urrainn  coimhthion- 
ailean  obair  sam  bith  a  ghabhail  os  laimh  a 
bhitheas  cho  tarbhach  ris  an  obair  a  tha  air  a 
deanamh  airson  na  h-6igridh.  Nach  fhaod  sinn 
a  radh  gu  bheil  cridheachan  na  cloinne  coltach 
ris  an  f  hear  ann  mhaith  a  thug  toradh  a  mach, 
cuid  a  cheud  uiread,  is  cuid  a  thri  fichead  uiread 
's  a  chuireadh  !  Is  mor  an  ni  e,  an  siol  a  chur 
f  had 's  a  tha  am  fearann  glan.  Gheibh  e  cothrom 
fas.  Tha  cridheachan  na  cloinne  'na  fhearann 
glan.  Is  e  paisdean  an  latha  diugh,  fir  agus 
mnathan  an  latha  maireach ;  ach  cha  ruig  sinn 
a  leas  fiughair  a  bhi  againn  ri  nithean  mora  o'n 
latha  maireach,  mur  bheil  sinn  ag  ullachadh  na 
cloinne  air  a  shon. 

I.  Bu  choir  do  pharantan  an  clann  a  thoirt  do'n 
eaglais  cho  trath  s  is  urrainn  daibh.  Bha  sinn 
ann  an  eaglais  o  chionn  ghoirid,  is  chuir  e 
ionghnadh  mor  oirnn  nach  robh  duine  an  taobh 
a  stigh  de  na  ballachan  a  b'oige  na  fichead 
bliadhna.  Cha  robh  e  'na  chomharra  maith 
idir.  Ma  dh'  f  haoite  gu  bheil  moran  pharantan 
a'  smaointinn  nach  bu  toigh  leis  a'  mhinistear 
no  leis  a'  choimthional  clann  fhaicinn  anns  an 
eaglais,  air  eagal  gu'm  biodh  iad  'n  an  dragh, 
no  gu'n  toisicheadh  iad  air  caoineadh.  Na 
cuireadh  sin  curam  orra. 

Faodaidh  gu  bheil  ministear  crosda  no  foir- 
feach  crosda  an  sid  's  an  so  a  bhiodh  diombach. 
Ach  tha  a'  chuid  mhor  de  mhinistearan  agus 
de  choimthionailean  na's  reusanta  agus  na's 
faighidinniche  na  sin  ;  chan  ann  diombach  ach 
anabarrach  toilichte  a  bhitheas  iad,  a'  faicinn 
na  cloinne  a'  tighinn  do'n  eaglais,  ged  nach 
biodh  annta  ach  leanaban  an  uchd  am  mathar. 
Is  taitneach  an  ni  e  teaghlach  uile  fhaicinn  anns 
an  aon  aite-suidhe,  sean  is  og,  beag  is  mor,  mar 
tha  iad  ann. 

Tha  sinn  an  dixil  cuideachd,  gu'm  faodadh  an 
t-seirbhis  an  drasd  'sa  rithist,  a  bhi  air  a  deanamh 
air  son  na  cloinne.  Tha  an  corr  de'n  choimh- 
thional  a'  faotainn  uiread  sheirbhisean  's  nach 
biodh  reusan  gearain  aca  ged  dheanadh  am 
ministear,  an  drasd  'sa  rithis,  an  t-seii'bhis  uile 
air  son  na  cloinne.     Dh'  fheuch  sinn  fhein  an 


doigh  sin  is  tha  sinn  gle  thoilichte  gu'n  d' 
fheuch.  Tha  e  a'  toirt  toil-inntinn  do'n  chloinn 
fhios  a  bhi  aca  gu  bheilear  a'  gabhail  suim 
dhiubh,  is  cha  bhi  iadsan  air  dheireadh  a'  dol 
do'n  eaglais  air  sabaid  na  seirbhis  aca  fhein. 
Agus  a  radh  na  firinn  tha  an  corr  de'n  choimh- 
thional,  agus  gu  sonruichte  na  parantan,  cho 
toigheach  air  '  latha  na  cloinne  '  's  a  tha  iad 
air  seirbhis  sam  bith  eile. 

II.  Bu  choir  do'n  choimhthional  uile  an  sgoil- 
Shabaid  a  chuideachadh.  Chan  'eil  ciiisean  ceart 
mur  bheil  iad  a'  deanamh  sin.  lomadh  uair  tha 
e  duilich  do'n  mhinistear  luchd-teagaisg  f haot- 
ainn,  ged  tha  gu  leoir  anns  a'  choimthional  aig 
an  rachadh  air  an  obair  a  dheanamh.  Far  a 
bheil  moran  cloinne,  chan  urrainn  duine  no 
dithis  an  sgoil  a  ghiiilan  air  a  h-aghaidh  mar 
bu  choir.  Ach  nach  trie  a  tha  sinn  a'  faicinn, 
gu  bheil  an  t-uallach  air  fhagail  air  aon  no  dha 
de'n  choimhthional  ! 

A  thuilleadh  air  sin,  leigear  leo  an  obair  a 
dheanamh,  bliadhna  an  deidh  bliadhna,  gun 
uiread  is  taing  f  haotainn  air  a  shon.  Chan  e  as 
reusan  dha  sin  gu  bheil  daoine  caoin-shuarach 
no  neo-reusanta,  ach  nach  'eil  iad  a'  smuaineach- 
adh  air  a'  chilis.  Na'm  bitheadh,  chitheadh  iad 
anns  a'  mhionaid  nach  'eil  e  ceart. 

Bho  na  tha  sinn  a'  labhairt  air  a  so  co 
dhiu,  faodaidh  sinn  iomradh  a  thoirt  air  an 
t-seirbhis  a  tha  boirionnaich  na  h-eaglais  a' 
deanamh  anns  na  sgoilean  Sabaid.  Mur  b'e  an 
cuideachadh  a  tha  iadsan  a'  deanamh,  tha 
iomadh  sgireachd  anns  am  faodadh  an  sgoil 
Shabaid  a  bhi  air  a  dimadh.  Is  fhiach  iad,  da 
rireadh,  moladh  air  son  an  dilseachd.  Ach  nach 
bu  choir  do  na  gillean  oga  an  eiseimpleir  a 
leantuinn  !  Bhiodh  e  'na  bhuannachd  dhaibh 
fhein,  agus  do  aobhar  Chriosd  anns  an  duthaich. 
Chan  aithne  dhuinn  doigh  eile  anns  am  b'  fhearr 
dhaibh  feasgar  Sabaid  a  chuir  seachad  na  bhi 
teagasg  na  cloinne.  Is  e  sin  obair  air  a  bheil 
beannachd  Dhe  gu  cinnteach. 

Is  aithne  dhuinn  iomadh  duine  air  nach  cual 
an  saoghal  riamh  iomradh  a  bha  'na  mheadhon 
air  obair  mhor  a  dheanamh  anns  an  sgoil- 
Shabaid.  Dh'  fhaoidhteadh  a  radh  m'an 
timchioU,  gu'n  eiridh  a'  chlann  agus  gu'm 
beannaich  iad  iad.  Bidh  toradh  an  saothrach 
ri  fhaicinn  an  uair  a  bhios  an  cnamhan  a'  cnamh 
anns  an  iiir. 

Dh'  iarramaid,  ma  ta,  iompuidh  a  chur  air 
daoine  oga  ann  an  coimhthionailean  eaglais  na 
h-Alba  anns  a'  Ghaidhealtachd,  cothrom  a 
ghabhail  air  seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia  anns 
an  sgoil-Shabaid.  Cha  chriosduidh  ceart  duine 
air  bith  nach  cuidich  ann  an  obair  na  h-eaglais, 
no  nach  cuir  dragh  air  bith  air  fein. 


CABHAG  AN  DUINE  GHLIC 


Cabhag  an  duine  ghlic 


AN  uair  a  chuir  Criosd  a  mach  tri  fichead 
's  a  deich  d'a  dheisciobuil  a  shearmon- 
achadh  soisgeul  na  rioghachd,  am  measg 
earailean  eile  a  thug  e  dhaibh,  thug  e  a'  chomh- 
airle  so  orra,  "  Na  failtichihh  duine  air  bith  air 
an  t-sUghe."  Ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh  leis 
an  f  hacal  so  ?  Saoilidh  tu  nach  'eil  e  idir 
coltach  ri  rud  a  theireadh  am  Maighstir ; 
saoilidh  tu  nach  h-iarradh  e  air  a  luchd-lean- 
mhuinn  a  bhi  cho  durbhaidh  's  nach  deanadh 
iad  uiread  agus  an  la  a  mholadh  dhiut  anns 
an  dol  seachad  .  Faodar  a  bhi  cinnteach  nach 
bu  mhaith  le  losa  a  dheisciobuil  a  bhi  fuar 
r'a  cheile  no  ri  muinntir  an  t-saoghail,  agus 
gu  robh  aobhar  sonruichte  aige  air  an  f hacal  ud 
a  radh  riu.  Be  so  an  t-aobhar,  gu  robh  fasain 
aig  na  h  -  ludhaich  a  thaobh  failteachaidh  a 
bha  cosg  moran  iiine,  agus  nach  bu  mhaith  le 
losa  a  sheirbhisich  a  bhi  cur  seachad  leth  an 
latha  a'  deanamh  am  beic  an  uair  a  bu  choir 
dhaibh  a  bhi  ag  obair.  Sin  a  tha  am  facal 
so  a'  ciallachadh  ;  tha  e  ag  iarraidh  air  seirbhi- 
sich  an  Righ  cabhag  a  dheanamh  air  an  turns, 
agus  a  bhi  dichioUach  'nan  obair,  gun  an  iiine 
a  chosg  ri  sgeamlain  is  beulachas. 

Bha  na  h-Iudhaich  o  shean,  agus  tha  na 
h-Arabaich  an  diugh  fhathast,  moran  na's 
curamaiche  na  tha  sinne  air  a  cheile  fhail- 
teachadh  agus  a  bheannachadh.  An  uair  a 
thachras  fear  -  eolais  oirnne  air  an  rathad 
theagamh  gu  mol  sinn  an  latha  dha  anns  an 
dol  seachad,  agus  sin  uile  e,  ach  stadadh 
an  t-Iudhach  agus  their  e  r'a  fhear-dijthcha, 
"  Sith  gu  robh  maille  riut  ;  "  "  Gu'm  bean- 
naicheadh  an  Tighearna  thu  ;  "  "  Tha  mi  a' 
guidhe  sonas  is  agh  dhuit,"  no  guidheachan 
maith  eile  de'n  t-seorsa  sin.  Ma  b'  aithne 
dha  am  fear  a  thachair  air  gu  maith,  an  aite 
breith  air  laimh  air  mar  a  ni  sinne,  dheanadh 
e  a  bheic  dha  gu  soluimte  ;  chuireadh  e 
a  lamh  dheas  an  toiseach  air  a  bhathais, 
an  sin  air  a  bhilean,  agus  a  ris  air  uchd  os 
cionn  a  chridhe  ;  sin  uile  a'  ciallachadh  gu 
robh  a  cheann  's  a  bhilean  's  a  chridhe  air  an 
lionadh  le  urram  is  gradh  do'n  neach  a  bha  e 
'na  lathair. 

B'e  an  fhirinn  (na'n  robh  an  fhirinn  air  a 
h-innseadh)  nach  robh  air  uairean  ach  gle 
bheag  de  ghradh  ann  an  cridhe  an  fhir  a 
bhiodh  a'  deanamh  a  bheic,  ach  b'e  sud  am 
fasan,  agus  bhiodh  am  beannachadh  air  a 
dheanamh  o'n  taobh  a  muigh  eadhon  an  uair 
a  bha  mallachadh  anns  an  taobh  a  stigh. 

Faodar,  mata,  a  thuigsinn  gu'm  biodh  iiine 
air  a  cosg  an  uair  a  thoisicheadh  daoine  air 
cromadh  is  air  beiceadh  d'a  cheile  anns  an 
doigh  ud,  gus  an  rachadh  iad  troimh  gach  car 


is  ruidhle  ann  an  lagh  nam  modhannan.  Cha 
robh  ann  ach  fasan  ;  plaosg  gun  bhiadh  gle 
thric,  agus  mar  sin  thubhairt  losa  r'a  dheiscio- 
buil, Na  cuiribh  seachad  'ur  n-iiine  ris  ; 
tha  na's  fhearr  agaibh  r'a  dheanamh,  deanaibh 
cabhag  ann  an  seirbhis  an  t-soisgeil. 

Anns  an  aird  an  Ear  gus  an  la  diugh  tha 
daoine  na's  modhaile  na  tha  iad  anns  an  aird 
an  lar.  Chan  'eil  iad  cho  firinneach  ris  na 
daoine  againne,  no  cho  onorach  ann  an  cridhe 
's  an  cainnt,  ach  tha  siobhaltachd  air  am 
bilean  agus  modh  nan  iosgaidean.  Is  fhearr 
le  Arabach  na  breugan  innseadh  dhuit  seach 
an  fhirinn,  mur  bheil  an  fhirinn  boidheach  is 
tlachdmhor.  Chan  'eil  ach  gle  bheag  dhinne 
as  urrainn  idir  ar  beic  a  dheanamh  le  loinn 
(ni  sinn  gogail  is  bogadaich  ghrannda  mar 
gu'm  biodh  an  leum-droma  oirnn,  ach  na's 
fhearr  na  sin  chan  urrainn  dhuinn  a  dheanamh), 
ach  ni  an  t- Arabach  as  isle  inbhe  a  bheic  cho 
grinn  agus  cho  loinneil  's  ged  bhiodh  e  air 
ionnsachadh  le  maighstir-dannsair.  Chi  thu 
an  luchd-oibre  anns  an  Eiphit  a'  liibadh  an 
gliin  's  a'  deanamh  am  beic  do  chach  a  cheile 
air  an  t-sraid  ;  agus  ni  iad  e  le  grinneas  is 
eireachdas  nach  fhaicear  'n  ar  measg-ne 
ach  ann  an  ciairt  an  Righ. 

Tha  na  Mohammedanaich  anabarrach  ciira- 
mach  gu'm  bi  cleachdannan  a'  mhodha  air 
an  cumail  suas  eatorra  fein,  oir  tha  iad  a' 
cunntas  gur  pairt  de'n  diadhaidheachd  am 
modh.  Chunnaic  sinn  iomadh  uair  anns  an 
Eiphit  daoine  a'  deanamh  an  dearbh  rud  a 
bha  's  an  amharc  aig  losa  an  uair  a  labhair 
e  am  facal  ud  ;  a'  beantuinn  le'n  laimh  ri  am 
bathais,  a  ris  ri  am  bilean,  agus  an  sin  a'  cur 
am  boise  thairis  air  an  cridhe  agus  a'  cromadh 
gu  lar  air  beulaobh  an  neach  air  an  robh  iad 
a'  cur  failte.  An  uair  a  thachras  Moham- 
medanach  ri  fear  de'n  chreideamh  aige 
fhein  is  e  an  fhailt  a  chuireas  e  air,  "  Sith 
gu  robh  dhuit,"  agus  freagraidh  am  fear  eile, 
"  Sith  dhuit-sa  cuideachd,  agus  trocair  Dhe 
agus  a  bheannachd."  Cha  toir  iad  uair  sam 
bith  an  fhailte  so  do  dhuine  nach  buin  do'n 
chreideamh  aca.  Ma  bheir  iad  i  gun  fhios 
daibh  do  Chriosduidh,  bheir  iad  air  ais  am 
beannachd  an  uair  a  chi  iad  gu'n  do  rinn  iad 
mearachd.  Tha  iad  cho  sleamhuinn,  agus 
cho  leam-leat  'n  an  cainnt,  's  gu'm  faod  neach 
a  shaoilsinn  gu  bheil  iad  anabarrach  farsuing 
'n  am  beachdan  an  uair  a  tha  iad  ann  an  da- 
rireadh  cho  cumhann  ris  an  uaigh.  Chaidh 
sinn  uair  comhla  ri  fear  dhiubh  do  aon  de  na 
teampuill  aca  fhein  ;  bha  sinn  a'  seanchas 
fad  an  latha  mu  na  puingean  creidimh  aig 
Criosduidhean  is  Mohammedanaich  ;    am  Bio- 


CABHAG  AN  DUINE  GHLIC— SIOR  LATHAIREACHD  DHE 


bull  agus  an  Coran,  neamh  is  ifreann,  peacadh 
is  breitheanas,  aithreachas  is  slainte,  roimh- 
orduchadh  is  saor  ghras,  chaidh  sinn  thairis 
orra  uile,  agus  a  reir  choslais,  bha  sinn  cho 
dliith  d'a  cheile  's  gu'n  saoileadh  tu  gu'm 
faodadh  an  duine  a  bhi  'na  mhinistear  ann 
an  eaglais  na  h-Alba.  Ach  cha  robh  ann  an 
sin  ach  siobhaltachd  an  Ephitich,  agus  an 
deidh  laimhe  dh'  innseadh  dhuinn  gu  robh  an 
duine  'n  a  fhear  de  na  Mohammedanaich 
a  bu  chuimhne  agus  a  b'  eudmhoire  anns 
a'  bhaile. 

An  uair  a  tha  Criosd  ag  radh  r'a  theach- 
dairean,  "  Na  failtichibh  neach  air  bith  anns 
an  t-slighe  "  chan  'eil  e  ag  iarraidh  orra 
dearmad  a  dheanamh  air  an  cairdean  no  air 
an  coimhearsnaich,  ach  tha  e  ag  iarraidh  orra 
gun  dearmad  a  dheanamh  air  an  teachdaireachd 
a  thug  e  dhaibh  a'  liubhairt.  Is  maith  leis  a 
sheirbhisich  a  bhi  baigheil  is  siobhalta,  ach  is 
maith  leis  mar  an  ceudua  iad  a  bhi  air  an 
itheadh  suas  le  eud  a  thighe  ;  facal  Dhe  a 
bhi  'n  an  ciiamhan  mar  theine  air  chor  agus 
nach  h-urrainn  daibh  a  bhi  samhach.  Sin  a 
bha  e  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal,  agus  bu 
mhaith  do  mhinistearan  agus  d'an  luchd- 
eisdeachd  na'n  cuimhnicheadh  iad  air,  gach 
uair  a  bhios  iad  cruinn  ann  an  tigh  an  Tighearna. 

Bhiodh  an  duine  diadhaidh,  Mghr.  Spurgeon, 
ag  radh  ris  fhein  gach  uair  a  rachadh  e  suas 
do'n  chiibaid,  gu'n  labhradh  e  ris  an  t-sluagh 
mar    ffu'm    b'e   sud   an   uair  mu   dheireadh   a 


chluinneadh  iad  an  soisgeul,  agus  gu'n  cuireadh 
e  impidh  air  gach  anam  cabhag  a  dheanamh 
gu  bhi  reidh  ri  Dia.  B'e  sin  aon  de  na  h-aobh- 
aran  gu'n  do  bheannaich  Dia  'obair  cho  mhor 
agus  gu  robh  e  'na  mheadhon  air  uiread  de 
dhaoine  a  thoirt  a  steach  d'a  rioghachd. 

Tha  iomadh  doigh  air  searmon  a  dheanamh 
agus  iomadh  ciispair  a  dh'  fhaodas  searmonaiche 
labhairt  uime,  ach  bu  choir  do'n  h-uile  searmon 
daoine  a  threorachadh  gu  Criosd,  agus  faileadh 
an  t-soisgeil  a  bhi  dheth.  Ma  tha  e  feumail  do 
na  teachdairean  cabhag  a  dheanamh  agus 
trompaid  an  t-soisgeil  a  sheideadh  gus  an 
cluinn  na  bodhair  i,  tha  e  feumail  dhaibh- 
san  a  dh'  eisdeas  gun  a  bhi  'gam  mealladh 
fein  no  ag  radh,  "  Chan  'eil  fath  cabhaig  ann 
an  gnothuch  ar  n-anama  ;  tha  iiine  gu  leoir 
againn."  Sin  guth  Shatain  ;  aon  de  na  cuil- 
bheartan  leis  a  bheil  e  a'  cur  dhaoine  a  dhith. 
Cha  do  chuir  duine  riamh  roimhe  le  comhairle 
shuidhichte  gu'n  cailleadh  e  anam.  Ach 
their  daoine  riutha  fhein.  "  Tha  iiine  gu 
leoir  agam,"  "  Am  maii*each  cuiridh  mi  mo 
thigh  an  ordugh."  Ach  theid  am  maireach 
seachad,  is  bliadhna  an  deidh  bliadhna,  is 
tha  iad  mar  a  bha  iad  riamh,  ach  a  mhain 
gu  bheil  an  cridheachan  nas  cruaidhe  agus 
gu  bheil  an  toil  na's  laige.  Na  h-abair  riut 
fhein,  "  Tha  tiine  gu  leoir  agam ;  "  cuimhnich 
nach  do  gheall  Dia  dhuit  ach  a'  mhionaid  a  ta 
lathair,  agus  mar  sin  na  leig  cadal  le  do  shiiilean 
gus  an  gabh  thu  ri  tairgse  an  t-soisgeil. 


Sior  Lathaireachd  Dhe 


AM  fardoch  Obed  Edom 
Fhuair  aire  an  Tighearn  tamh, 
Am  feadh,  air  uchd  nan  sleibhte, 

A  chuireadh  iomadh  blar. 
'S  na  glinn  bha  bruaillean,  's  eirigh, 

Bha  ar-a-mach  's  a  inhagh  ; 
Air  fardoch  Obed  Edom 

Bha  siochaint  neamhaidh  tainh, 

Le  gorta  anns  na  criochan, 

Le  comhstri  anns  a'  champ  ; 
A'  chlann  bheag  fann  le  ciocras  ; 

Is  aran  cha  robh  ann  ; 
Na  mathraichean  'g  an  leireadh, 

Ag  athchuinge  le  deoir  : — 
An  teaghlach  Obed  Edom 

Bha  sith  is  Ion  gu  leoir. 

Air  machair  Obed  Edom 

Namh  cha  do  leag  a  shail  ; 
Mar  dhidein  teann  nan  treun-fhear 

Sheas  ciiiin  a'  bhaideal  ard  ; 
Cha  d'thainig  cas  no  eiginn, 

Ach  fios  na  slaint'  's  a  ghrais 
Gu  comhnaidh  Obed  Edom 

'S  an  d'  fhuaradh  ait'  do  'n  aire. 


Is  dh'  aithriseadh  an  sgeul  ud 

Leo-san  a  bha  mu'n  cuairt 
Tha  teaghlach  Obed  Edom 

A'  mealltainn  suaimhneas  buan  ; 
Tha  beannachadh  lehobhah 

'G  an  comhdach,  beag  is  mor 
A  chionn  'n  an  aite-comhnaidh 

Tha  airce  Dhe  na  gloir. 

Tha  gineal  Obed  Edom 

Ri  f  haotainn  anns  gach  linn  ; 
Fo  fhardoch  Obed  Edom 

Tha  fasgadh  anns  gach  teinn  ; 
Tha  beannachdan  a'  Chumhnainnt 

A  ghnath  le  airce  Dhe 
Do'n  duine  leis  an  riin  e 

Seach  maoin  an  t-saoghail  gu  leir. 

Buaireas  cha  ruig  an  sluagh  sin 

Tha  leis  an  aire  fo  dhion  ; 
Amhghar  cha  mhill  an  suaimhneas, 
Tuaileas  cha  bhris  an  sith  ; 
Tha  rath,  is  miiirn,  is  solas, 

Tha  soills'  a  dh'  oidhche  's  la 
'S  an  teaghlach  sin,  an  comhnuidh 

'S  am  bheil  an  aire  a'  tamh.      K.  W.  G. 


URNUIGH  AN  TIGHEARNA 


Urnuigh  an  Tighearna 

Athair,  thoir  maitheanas  dhaibh,  oir  chan'eil  fhios  aca  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh. 

Lucas  xxiii.  34. 


AN  uair  a  bhiodh  daoine  air  an  ceusadh  agus 
-iad  an  impis  dol  as  an  ciall  le  pian  is  pathadh 
bha  e  a'  tachairt  gu  trie  gu'n  cluinnteadh  iad 
a'  mionnachadh  agus  a'  niallachadh  Dhe  is 
dhaoine.  Bha  na  saighdearan  cleachdte  gu 
leoir  ri  niionnan  is  toibheum  a  chluinntinn 
o'n  chrann-cheusaidh.  Ach  cha  chual  iad 
guth  mor  no  droch  fhacal  o  bhilean  naomh 
losa  an  uair  a  thog  iad  suas  e  ;  an  aite  sin 
chual  iad  rud  ris  nach  robh  diiil  aca  agus  nach 
cual  iad  riamh  roimhe  ;  chual  iad  e  ag  urnuigh 
air  an  son  fein  agus  air  son  nan  uile  dhaoine 
eile  aig  an  robh  lamh  'n  a  bhas,  Athair,  thoir 
maitheanas  dhaihh,  oir  chan  'eil  fhios  aca  ciod  a 
tha  iad  a'  deanamh. 

Nach  leoir  an  dearbhadh  sin  gu'm  b'e  losa 
mac  Dhe,  oir  chan  ann  do  spiorad  an  t-saoghail 
so  a  bhuineas  iirnuigh  cho  iongantach  agus  cho 
neamhaidh.  Bu  mhaith  an  duine  Daibhidh 
ach  ghuidh  esan  gu'n  sgriosadh  Dia  a  naimh- 
dean  agus  gu'n  dubhadh  e  a  mach  an  ainniean 
a  leabhar  na  beatha.  Ghuidh  leremiah  an  ni 
ceudna  ;  ghuidh  e  air  Dia  la  an  uilc  a  thoirt 
air  a  nainihdean  agus  an  sgrios  le  sgrios 
diibailte.  Ach  dh'  iarr  losa  d'a  nainihdean 
maitheanas  an  aite  sgrios,  beannachd  an  aite 
mallachd,  agus  mar  sin  faodar  an  urnuigh  so 
a  ghabhail  mar  dhearbhadh  air  a  dhiadh- 
achd. 

Chan  e  so  an  seorsa  urnuigh  a  bhios  daoine 
am  bitheantas  a'  cur  suas  aig  uair  am  bais. 
An  uair  a  bhios  sgailean  na  siorruidheachd  a' 
tuiteam  air  an  anam,  agus  am  bas  dluth  ; 
an  uair  a  thig  peacaidhean  na  h-6ige  air  an 
ais  gu  inntinn  dhaoine,  bidh  iad  a'  guidhe  'n  an 
iirnuighean  air  son  maitheanas  is  sith  ri  Dia. 
Ach  ged  bha  am  bas  gle  dhliith  do  losa  an 
uair  a  rinn  e  an  iirnuigh  so  cha  d'  iarr  e  maithea- 
nas, agus  cha  mho  a  bha  teagamh  aige  nach 
robh  e  ann  an  sith  ri  Dia.  Cha  d'  iarr  e 
maitheanas  oir  cha  b'  aithne  dha  ann  fein 
aon  smuain  no  iarrtus  nach  robh  a  reir  inntinn 
Dhe.  Cha  b'  urrainn  da  am  peacadh  a  bu 
lugha  a  chur  as  a  leth  fein  oir  ghluais  e  ann 
an  aonachd  iomlan  ri  Dia  uile  laithean  a 
bheatba.  Agus  sin  dearbhadh  eile  air  a 
dhiadhachd. 

Anns  an  t-searmon  ris  an  abrar  searmon  na 
beinne  dh'  iarr  e  air  a  dheisciobuil  an  nainih- 
dean a  ghradhachadh  ;  dh'  iarr  e  orra  na 
daoine  a  mhallaicheadh  iad  a  bheannachadh, 
agus  maith  a  dheanamh  do  na  daoine  a  bha 
a'  deanamh  eucoir  orra,  agus  a  nis  air  a' 
chrann-cheusaidh  chuir  e  an  teagasg  sin  ann 
an  cleachdadh  e  fein  ;    a'  leigeil  fhaicinn  do 


shaoghal  olc  is  mi-chreideach  gu'n  gabh  a 
theagasg  a  chur  an  cleachdadh  an  da-rireadh. 
Their  muinntir  an  t-saoghail  riut  ann  an  clar 
an  aodainn  nach  gabh  teagasg  losa  a  bhi  air 
a  chur  an  cleachdadh  'n  a  leithid  so  de  shaoghal ; 
their  iad  gu  bheil  e  maiseach  is  neamhaidh 
gun  teagamh  ach  nach  'eil  e  freagarrach  air 
son  dhaoine  a  dh'  fheumas  reic  is  ceannach 
a  dheanamh,  agus  obair  an  t-saoghail  a  chur  air 
aghaidh.  Their  iad  riut  na'n  toisicheadh 
marsanta  air  a  ghnothuch  a  dheanamh  a 
reir  teagasg  an  t-searmoin  so  nach  fhada  gus 
am  biodh  e  bi-iste.  Ach  chan  'eil  coir  air  bith 
aig  daoine  a  bhi  ag  radh  nach  gabh  teagasg 
losa  giiilan  a  mach,  oir  cha  d'  fheuch  iad  rianih 
ris.  Cha  do  theagaisg  losa  rud  air  bith  nach 
do  ghiulain  e  a  mach  'na  bheatha  fein.  Chuir 
e  a  theagasg  fein  an  cleachdadh,  agus  is  e 
teisteanas  a'  chinne-daonna  gur  esan  an  aon 
duine  a  fhuair  riamh  buaidh  iomlan  air  an 
t-saoghal.  Fhuair  e  a'  bhuaidh  a  chionn 
gu'n  do  chuir  e  an  cleachdadh  an  teagasg 
anns  a  bheil  muinntir  an  t-saoghail  a'  cur  ani- 
haruis. 

Tha  e  duilich  do  dhuine  maitheanas  a 
thoirt  d'a  dhearg  namhaid,  ach  chan  'eil  sin 
a'  ciallachadh  nach  coir  dha  a  dheanamh. 
A  thaobh  teagasg  an  Tiomnaidh  Nuaidh  tha 
so  fior  (ged  nach  toir  daoine  moran  aire  dha) 
nach  'eil  dleasdanas  spioradail  eile  ann  air  an 
do  chuir  losa  fein  uiread  de  chudthrom  's  a 
chuir  e  air  maitheanas  a  thoii't  do  dhaoine  a 
rinn  croii  oirnn.  Tha  e  mar  fhiachaibh  air 
sluagh  an  Tighearna  an  spiorad  so  a  nochdadh 
a  cheart  cho  cinnteach  's  a  tha  e  mar  fhia- 
chaibh orra  iirnuigh  a  dheanamh,  no  coniana- 
chadh  a  ghabhail,  no  aobhar  an  t-soisgeil  a 
chuideachadh  le'n  airgiod.  Ann  an  aon  aite 
tha  losa  a'  cur  an  dleasdanais  so  air  thoiseach 
air  gach  dleasdanas  no  iobairt  eile,  "  Ma  tha 
thu  a'  tairgseadh  do  thiodhlaic  aig  an  altair, 
agus  gu'n  cuimhnich  thu  an  sin  gu  bheil  ni 
air  bith  aig  do  bhrathair  ami  ad  aghaidh,  fag 
do  thiodhlac  an  sin  fa  chomhair  na  h-altarach, 
agus  imich  agus  dean  reite  an  toiseach  ri  do 
bhrathair,  agus  an  sin  thig  agus  tairg  do 
thiodhlac."  Nach  ard  agus  nach  maiseach 
agus  nach  duilich  teagasg  Chriosd  ?  Co  is 
urrainn  a  choimhlionadh  ?  Ach  eadhon  an 
uair  a  thuislicheas  tu  ann,  na  toir  suas  ;  ciini 
ort  agus  romhad,  ciini  do  shiiil  air  na  beanntan 
o'n  tig  do  neart,  oir  bheir  Dia  cuideachadh 
daonnan  dhaibh-san  a  tha  ag  iarraidh  a  thoil  a 
dheanamh  gu  diirachdach,  Agus  an  rud  a 
tha  eu-comasach  dhaibh  an  uair  a  tha  iad  ann 


URNUIGH  AN  TIGHEARNA 


an  caidreamh  an  t-saoghail  agus  air  an  riagh- 
ladh  le  spiorad  an  t-saoghail  bidh  e  comasach 
daibh  an  uair  a  tha  iad  a'  fantuinn  ann 
an  companas  losa  agus  ann  an  timhlachd  a 
thoile. 

Tha  aon  de  sheann  aithi-ichean  na  h-eaglais  ag 
innseadh  dhuinn  gu'm  b'abhaist  do  fheadhainn 
de'n  choimhthional  aige  fein  na  briathran  ud 
fhagail  a  nach  a  urnuigh  an  Tighearna — 
amhail  a  mhaith  sinn  d'  ar  luchd-Jiach.  B'e  an 
t-aobhar  air  sin  gu  robh  fhios  aca  gu  niaith 
nach  tug  iad  niaitheanas  seachad,  agus  gu 
robh  eagal  orra  maitheanas  iarraidh  air  Dia 
anns  an  tomhas  anns  an  tug  iad  seachad 
e.  Bha  fhios  aca  na'n  deanadh  Dia  orra 
mar  a  rinn  iad  fein  air  daoine  eile,  nach  e 
beannachd  ach  niallachd  a  thigeadh  a  nuas 
orra.  Nach  bochd  an  rud  do  dhuine  a  tha 
ag  aslachadh  trocair  Dhe  an-trocair  a  noch- 
dadh  d'a  bhrathair  !  Is  iad  na  daoine  troc- 
aireach  a  gheibh  trocair  o  Dhia  ;  cruadhaich 
do  chridhe  ann  an  aghaidh  do  bhrathar  agus 
diult  niaitheanas  dha,  no  duilt  sealltainn  thairis 
air  a  theachd-gearr,  agus  cha  tuit  na's  niotha 
na  boinne  beag  de  bheannachd  Dhe  air  do 
cheann  ged  dheanadh  tu  do  theanga  tana  le 
athchuingean,  ach  thoir  maitheanas  do  do 
bhrathair  thu  fein  agus  gabhaidh  Dia  sin 
mar  chomharra  gur  duine  thu  is  airidh  air 
maitheanas  is  trocair,  agus  tuitidh  frasan 
beannachd  air  do  cheann. 

An  do  fhreagair  Dia  iirnuigh  a  mhic  air  a' 
chrann-cheusaidh  —  Athair,  thoir  maitheanas 
dhaihh.  Ann  an  aon  seadh  cha  do  fhreagair, 
ach  ann  an  seadh  eile  fhreagair  gu  pailt. 
Cha  do  fhreagair  e  i  anns  an  t-seadh  gu  robh 
na  daoine  a  chuir  losa  gu  bas  air  an  iompa- 
chadh  agus  air  an  toirt  a  steach  d'a  rioghachd. 
Cha  robh  na  saighdearan  air  an  iompachadh  ; 
cha  mho  a  bhasaich  ludas  ann  an  sith  ri  Dia. 
An  aite  iad  a  bhi  air  an  tionndadh  gu  Dia 
faodar  a  radh  gu'n  do  lean  mallachd  Dhe 
ffach  neach  aiff  an  robh  lamh  ann  am  bas  a 
mhic.  Chaill  Herod  a  naire  shaoghalta ;  chaill 
Pilat  a  dhreuchd  ;  agus  chuir  ludas  lamh  'na 
bheatha.  Ann  an  iiine  ghoirid  leagadh  baile 
Jerusalem  gu  lar  ;  chaill  na  sagartan  an  urram 
's  an  inbhe,  agus  o'n  latha  sin  chan  'eil  anns  na 
h-Iudhaich  ach  sluagh  gun  dachaidh  gun 
diithaich  ;  sluagh  a  tha  gun  mheas  gun 
chliii  am  measg  nan  cinneach  eile  ;  sluagh 
air  nach  'eil  ach  "  bual  thall  is  comnich  a 
bhos  e."  Aon  uair  'n  an  eachdraidh  ghlaodh 
iad  le  aon  ghuth,  Ceus  e,  ceus  e,  biodh  fhuil 
oirnne  agus  air  ar  eloinn,"  agus  fhuair  iad  an 
guidhe  ;  bha  Mac  Dhe  air  a  cheusadh  leo 
agus  faodar  a  radh  gu  bheil  fhuil  air  an  cinn 
gus  an  la  an  diugh. 

Ach  mur  robh  iirnuigh  losa  air  a  freagairt 
anns  an  t-seadh  gu  robh  an  fheadhainn  a 
mharbh    e    air    an    iompachadh,    bha    i    air    a 


freagairt  ann  an  doigh  a  b'  fharsuinge  ;  bha 
i  air  a  freagairt  (agus  tha  i  'g  a  freagairt 
fhathast)  anns  an  atharrachadh  a  thug  i  air 
an  t-saoghal  a  thaobh  smuaintean  dhaoine  mu 
dhioghaltas  agus  mu  mhaitheanas.  Anns  an 
t-seann  t-saoghal  chan  e  mhain  nach  tugadh 
duine  maitheanas  d'a  namhaid  ach  cha  robh 
e  a'  creidsinn  gu  robh  e  mar  fhiachaibh  air  a 
dheanamh,  agus  cha  saoileadh  e  na  b'  fhearr 
dheth  fein  na'n  deanadh  e  e.  Tha  e  air  inn- 
seadh mu  aon  de  na  seann  tighearnan  Gaidhea- 
lach  gu'n  tug  e  taing  do  Dhia  air  leabaidh  a 
bhais  gu'n  deachaidh  aige  re  a  bheatha  air 
nioran  maith  a  dheanamh  d'a  chairdean  agus 
nioran  millidh  a  dheanamh  air  a  naimhdean. 
Bha  an  seann  saoghal  a'  creidsinn  ann  an 
dioghaltas.  Ach  tha  an  saoghal  iir  a'  creidsinn 
ann  an  lagh  as  airde,  agus  eadhon  ged  nach 
'eil  daoine  a'  giulan  a  mach  an  lagha  sin  no 
a'  toirt  maitheanais  d'an  naimhdean  mar  bu 
choir  daibh,  tha  fhios  aca  gu'm  bu  choir  daibh 
a  dheanamh.  Is  e  Criosd  a  rinn  an  t-atharra- 
chadh  sin,  agus  chan  'eil  facal  eile  'na  theagasg 
no  gniomh  eile  'na  bheatha  a  bha  'na  mheadhon 
air  a  dheanamh  cho  mhor  ris  an  iirnuigh  so, 
Atkair,  thoir  maitheanas  dhaihh.  Tha  i  'g  a 
freagairt  le  Dia  na's  motha  agus  na's  motha  mar 
tha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad,  agus  mar 
tha  spiorad  a'  ghraidh  a'  faotainn  na  buadha 
thairis  air  fuath  is  an-iochd. 

Ann  an  aon  seadh  bha  fhios  aig  na  daoine 
ud  gu  maith  ciod  a  bha  iad  a'  deanamh.  Bha 
fhios  aca  gu  robh  losa  a'  seasamh  anns  an 
rathad  orra,  agus  mar  sin  chuir  aid  romhpa 
a  chur  gu  bas.  Ach  ann  an  seadh  eile  cha 
robh  fhios  aca  ciod  a  bha  iad  a'  deanamh  ; 
cha  bu  leir  daibh  an  olcas  fein  no  olcas  an 
gniomha  ann  an  siiilean  Dhe.  Is  ann  an  uair 
a  thainig  e  thuige  fein  a  thubhairt  am  mac 
seachranach  "  Eiridh  mi  agus  theid  mi  gu 
m'  Athair."  Gus  an  la  ud  cha  robh  e  aige 
fein  ;  cha  b'aithne  dha  ciod  a  bha  e  a'  deanamh  ; 
cha  do  thuig  e  riamh  gu  ceart  a  sheachran  no 
amaideas. 

Na'n  tuigeadh  daoine  gu  ceart  ciod  a  tha 
iad  a'  deanamh  cha  bhiodh  iad  eas-umhail  do 
Dhia  agus  cha  bhriseadh  iad  a  lagh,  oir  is 
e  Dia  an  Athair  agus  an  Caraid  as  fearr,  agus 
ann  an  iimhlachd  dha  tha  sith  is  sonas  is  agh. 
Ach  tha  am  peacadh  agus  an  saoghal  a'  dalladh 
an  siiilean  air  chor  agus  nach  aithne  dhaibh 
ciod  a  tha  iad  a'  deanamh,  agus  ceusaidh  iad 
mac  Dhe  as  iir.  Ach  ged  tha  esan  a  nis  air 
ardachadh  gu  ionadan  neamhaidh  cha  d' 
atharraich  a  nadur,  is  tha  e  an  diugh  fhathast 
agus  bithidh  e  gu  siorruidh  a'  coimhlionadh 
ministrealachd  eifeachdach  an  lathair  Dhe  as 
leth  a  bhraithrean  peacach  air  thalamh  ;  a 
lamhan  togta  gu  sior  ann  an  eadar-ghuidhe  air 
an  son,  Athair  thoir  inaitheanas  dhaibh,  oir  chan 
'eil  fhios  aca  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh. 


8    TORMOD  MACIOMHAIR  NACH  MAIREANN— AN  T-ANAM  GRASMHOR 


Tormod  Maclomhair  nach  maireann 


pHAOCHAIL  TORMOD  MACIOMHAIR, 

vJa  bha  fada  os  cionn  Oifig  nan  Litrichean 
am  Bearnaraidh,  air  an  dara  la  de'n  luchar, 
air  an  dearbh  la  a  rainig  e  ceithir  fichead 
bliadhna  agus  a  h-aon  deug.  Fhuair  e  a 
bhreith  is  arach  ann  an  Carlobhagh  ach  is 
ann  an  Bearnaraidh  a  rinn  e  a  dhachaidh  o 
phos  e  gu  la  a  bhais.  Bu  duine  an  "  Taillear  " 
mar  theirteadh  ris — a  bha  fallan  an  corp  agus 
an  inntinn  ;  duine  blath-chridheach,  caoimhneil 
agus  glic,  aig  an  robh  a  dhorus  fosgailte  do 
charaid  agus  do  choigreaeh.  B'e  a'  cheud 
duine  a  chuireadh  os  cionn  oifig  nan  litrichean 
am  Bearnaraidh,  agus  ghleidh  e  an  dreuchd  sin 
gus  an  tug  an  aois  air  a  leigeil  dheth  agus  a 
fagail  an  urra  ri  mhac.  Bha  e  fichead  bliadhna 
a'leanntuinn  an  iasgaich  agus  aig  an  am  cheudna 
a'  cur  air  adhart  a  cheaird  mar  thaillear  anns 


an  eilean.  Thainig  e  gle  bg  fo  bhuaidh  na 
Firinn  agus  is  fhada  a  bhios  cuimhne  air  mar 
Chriosduidh  ann  an  eilean  Bhearnaraidh  ; 
Criosduidh  a  ghnathaich  creideamh  daingean 
agus  seasmhach,  agus  nach  d'  fhannaich 
anns  an  t-slighe  ;  a'  deanamh  gairdeachas 
anns  an  radh  fhior  so,  gu'n  tainig  losa  Criosd 
do'n  t-saoghal  a  thearnadh  pheacach.  Cha 
do  rinn  e  riamh  moran  gleadhraich  mu  thim- 
chioll  a  chreidimh  no  dhiadhaidheachd  fein,  oir, 
cosmhuil  ri  Athair  nan  Creidmheach,  bha  a 
chreideamh  air  a  thaisbeanadh  gach  la  a  bha  e 
ag  eirigh.  Beagan  sheachduinnean  m'an  d' 
f  halbh  e,  cha  tainig  e  moran  a  mach  as  an  leab- 
aidh,  agus  air  son  la  no  dha  mu  dheireadh 
thuit  e  ann  an  anmhuinneachd  gus  fadheoidh 
an  do  chaidil  e,  "  gus  am  bris  an  la  agus  an 
teich  na  sgailean." 


An  t-anam  Grksmhor 


/~\,  anam  neo-bhasmhor, 
^^  Fhuair  tearnadh  o  shuas  ; 
Nach  sona  gu  brath  dhuit, 
'S  do  charadh  do-luaidht' 
Chunnaic  mise  le  d'ghradh  thu, 
O'n  fhasach  dol  suas  ; 
'S  tu  'n  taice  ri  ghairdean, 
Tha  laidir  's  bith-bhuan. 

Aig  cathair  nan  grasan, 
Tha  thu  laidir  is  6g  ; 
Mar  lolair  nan  ard-bheann, 
Dol  thar  airde  nan  neoil. 
Do  chomunn,  a  bhrathair, 
Do  charadh  's  do  dhoigh  ; 
Tha  e  nochdadh  gu  laitheil, 
Co  dha  tha  thu  beo. 

Tha  faile  ro  chiibhraidh, 
Gu  dliith  dhuit  mu'n  cuairt  ; 
'S  fein-aicheadh  tha  daonnan, 
'Na  do  riiintean  gu  suairc'. 
Tha  blaths  agus  driiighteachd, 
'Nad  iirnuigh  gach  uair  ; 
Tha  thu  laidir  ri  sgaoileadh, 
Cliii  fear-saoraidh  nam  buadh. 

Fhuair  thu  'n  saoghal  so  falanah, 
Fhuair  thu  aithne  ort  fein  ; 
Do  chaoile  's  do  ghalair, 
Tha  iad  mar  riut  's  ffach  ceum  : 


Chan  ionghnadh  ged  chaith  thu 
Na  bh'  agad  gu  leir 
'G  iarraidh  saorsa  is  fasgadh 
Far  nach  f  haigheadh  tu  e 

'Nuair  a  bha  thu  ri  ionndrainn, 

'S  fo  dhiisgadh  bha  mor  : 

Bu  diblidh  do  smuaintean, 

Cur  daors'  ri  do  bhron. 

Gus  am  fac  thu  Fear-saoraidh, 

Mar  aon  a  tha  beo  ; 

Tha  glanadh  's  tha  'g  ionnlaid, 

Gach  aon  dhe  do  sheors. 

'Nuair  a  chunnaic  tu  an  sealladh 
Na  beannachd  's  nan  gras 
'San  sgaoileadh  an  teallach 
Bha  arsnealach  's  dan. 
Cha  b'urrainn  dhuit  fantuinn 
Na  b'fhaide  fo  smaig 
'S  bi  bhratach  O  anam 
Bha  tharud  an  gradh. 

Mar  ulaidh  o'n  doimhne 

Bha  d'aoibhneas  'san  uair 

'S  cha  b'urrainn  thu  cainnt  air 

Gach  aoibhneas  a  fhuair. 

'S  thug  thu  o'n  oidhche 

'S  o  chuibhreach  na  truaigh, 

'S  e  rinn  thu  'n  ad  oighre 

Air  oighreachd  a  shluaigh.     R.  McK. 


Air  10 


93 


An  t-urramach  Calum  Mac  Illinein,  D.D. 


J^  cridheachan  ar  luchdleughaidh  an  uair  a  chi 
iad  na  duilleagan  so  agus  gun  dad  annta  o 
lamh  an  fhir  nach  maireann.  Bha  mo  chom- 
panach  air  a  leabaidh  an  uair  a  bha  an  aireamh 
mu  dheireadh  'ga  deasachadh,  ach  bu  bheag  mo 
dhiiil  gur  e  leabaidh  a'  bhais  a  bha  ann.  Ged 
bha  e  a'  failneachadh  o  chionn  greis  thainig  a' 
chrioch  gu  luath  mu  dheireadh. 

Fada  m'  an  do  thoisich  sinn  air  an  obair  so 
comhla  b'  aithne  dhomhsa  an  Dotair  Mac 
Ilhnein.  A'  cheud  uair  a  chunnaic  mi  riamh  6 
b'  ann  anns  a'  chiibaid  an  eaglais  an  Tairbeairt, 
anns  na  h-Earadh.  An  uair  a  chaidh  e  do 
Dhuneideann,  agus  mise  aig  an  am  anns  an 
Oilthigh,  bhitheamaid  a'  coinneachadh  gu 
maith  trie  ann  an  tigh  an  Ollimh  Mhie  Fhion-i*^ 
ghuin.  Bha  meas  mor  agam  air  o  na  laithean 
sin,  agus  gaol  euideachd,  oir  bu  duine  e  a 
b'  airidh  air  meas  is  gaol  ;  fior  dhuin-uasal  agus 
duine  deadhaidh,  agus  cha  bu  mhisd  a  dhiadh- 
aidheachd  gu'n  do  chuir  e  rithe  sgoilearachd. 

Bha  e  'na  dhuine  a  bha  furasda  gnothuch  a 
dheanamh  ris  ;  gheibheadh  tu  e  an  dingh  mar 
dh'  fhag  thu  e  an  de,  is  cha  ruigeadh  tu  leas 
eagal  a  bhi  ort  gu'n  gabhadh  e  gu  cearr  rud 
nach  robh  air  a  chiAllachadh  gu  cearr.  Cha 
robh  an  dara  ciud  leanabalachd  no  stuiceachd 
ann  an  uair  a  bhiohd  e  ann  an  comhairle  ri 
daoine  eile,  oir  bha  e  fein  'n  a  dhuine  neo- 
eisiomaileach  nach  ceileadh  a  bheachd  no 
bhreitheanas. 

Ged  bu  mhaith  leam-sa  mo  lamh  fhein  a 
sgriobhadh  iomradh  air  an  Dotair  Mac  Illinein 
anns  na  duilleagan  Gaidhlig  so  tha  fhios  agam 
gu  bheil  ministearan  eile  anns  an  eaglais  a  b' 
eolaiche  air  na  mise,  agus  a  b'  fhaide  a  bha  ag 
obair  comhla  ris.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d'  iarr 
mi  aer  Calum  Mac  Leoid,  caraid  cho  dliith  agus 
cho  dileas  's  a  bha  aige  anns  an  eaglais,  iomradh 
cothromach  air  fhear-dutheha  a  sgriobhadh,  ann 
an  ainm  a  bhraithrean. 

DoMHULL  Mac  Laomuinn. 

"  Chaochail  an  Doctor  Mac  Illinein  urramach; 
teachdaire  dileas  agus  diadhair  caomh.  Bha  e 
air  a  ghairm  dhachaidh  air  a'  cheud  la  den 
mhios  so  chaidh  ;  agus  an  diugh  tha  caoidh  is 
ionndrainn  air  am  measg  nan  Gaidheal,  tuath 
is  deas,  agus  thall  'sa  bhos.  Tha  da  bhliadhna 
is  barrachd  bho  bhris  air  a  shlainte,  agus  corr  is 
bliadhna  bho  fhuair  e  cead  mor-chudthrom  a 
choimhthionai]  a  leigeil  dheth,  ach  bha  e  an 


ceann  a  ghairm  agus  a'  searmonachadh  an  t- 
soisgeil  gus  na  phosadh  ministear  eile  ris  an 
eaglais,  am  meadhon  an  t-samhraidh  so.  Bha 
e  mar  gu'm  b'  eadh  bho  n  uair  sin  a  leigeil 
analach  agus  e  Ian  thoilichte  agus  saoibhir  ann 
an  toradh  a  shaothrach  'a  Mhaighstir  glormhor  ; 
agus  is  ann  mar  sin  a  bha  e  'nuair  a  ghairm  an 
Tighearna  leis  e  thar  an  aiseig  gu  Rioghachd  an 
t-soluis  agus  gu  fois  shiorruihd  nan  naomh. 

Tha  ceithir  bliadhna  deug  ar  fhichead  bho 
phosadh  e  ri  eaglais  Chaluim-Chille  an  Dun- 
eideann,  agus  fad  na  h-iiine  sin  bha  e  chan  ann 
a  mh^in  'na  mhinisteir  dileas  is  comasach  an 
Duneideann  ach  bha  e  easgaidh  is  uUamh  air 
searmonachadh  an  t-soisgeil  feadh  na  Gaidheal- 
tachd  uile.  Is  ainneamh  sgire  no  tigh-coin- 
nimh  feadh  na  Gaidhealtachd  anns  nach  do 
shearmonaich  e  uair  no  uair-eigin,  agus  mor 
thlachd  aig  an  t-sluagh  dha  anns  gach  sgire  is 
aite. 

"  'S  e  searmonaiche  mor  agus  soisgeulach  da 
rireadh  a  bha  am  Mac  Illinein  coir,  searmonaiche 
cho  comasach  's  a  bha  fosgladh  Biobull  Gaidhlig 
an  cubaid  'na  latha.  Bha  eolas  blath  agus 
diomhair  air  leth  aige  air  nithibh  spioradail 
agus  air  pearsa  an  t-Slanuigheir,  agus  gheibh- 
teadh  am  blathas  agus  an  diomhaireachd  sin 
'na  theagasg,  agus  fhaguisgeachd  air  Criosd  'na 
shearmonachadh.  Is  minic  a  shasuich  e  agus 
a  chuir  e  aoibhneas  an  anamaibh  a'  mhor- 
shluaigh  feadh  na  Gaidhealtachd  aig  am  com- 
anachaidh,  gu  h-araidh  an  uair  a  bhiodh  e  a' 
cur  an  ceill  gradh  Dhe  do  dhaoine  ann  an  crann- 
ceusaidh  Chriosd.  B'  e  so  cuspair  a  ghraidh,  a 
bu  mhiann  leis  a  bhi  searmonachach.  Cha  b' 
ann  le  nithibh  saoghalta  no  suarrach  a  dhireadh 
e  do'n  chiibaid  ach  le  teagasgan  mora  is  bean- 
naichte  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  agus  geallaidhean 
priseil  an  t-soisgeil  ;  agus  bha  a'  bhuil.  Tha 
iad  an  diugh  lionmhor  an  gloir  agus  moran  air 
thalamh  a  tha  toirt  clitx  do  Dhia  airson  an  t- 
sasuchaidh  spioradail  agus  an  t-seallaidh  ghlor- 
mhor  a  fhuair  iad  air  Criosd  mar  Shlanuighear 
an  anama  troimhe-san. 

"Bhuineadhe  do  sgire  Uig  an  eilean  Leodhais, 
agus  is  ann  air  a'  Chnip  an  sin  a  rugadh  e  'sa 
bhliadhna  1862.  Bha  e  mar  sin  naoi  agus  tri- 
fichead  bliadhna  dh'  aois.  Thainig  e  fo  bhuaidh 
na  Firinn  agus  e  na  ghille  gle  og,  agus  cha  bu 
luaithe  a  thainig  na  chuir  e  roimhe  gu'n  rachadh 
e  air  adhart  gu  dreuchd  na  ministrealachd. 
Seach  nach  robh  e  gle  f  hulangach  'na  bhodhaig 
aig  an  am.  thugadh  a'  ohomhairle  air  a  dhol  a 


R.    £^  R.    CLARK,  Ltd. 


2         AN  T-URRAMACH  CALUM  MAC  ILLINEIN,  D.D.— FACAIL  DHUILICH 


null  do  Chanada^  agus  is  ann  an  sin  a  thug  e  a 
mach  fhoghlumm,  ann  an  Oil-thigh  MhicGhill 
am  Montreal.  Dhearbh  e  an  sin  na  h-ard- 
bhuadhan  a  bha  aige  mar  sgoileir,  agus  thugadh 
dha  an  onair  B.A.  agus  B.D.  ;  agus  aireamh 
mhaith  bhliadhnachan  air  ais  thug  an  t-Oilthigh 
sin  dha  a  rithist  ant-ard-urram  D.D.  ;  agus  a 
thaobh  fhoghluim  'sa  dhiachaidheachd  b'  airidh 
air  e. 

"  Bha  e  'na  fhoghluimiche  fad  a  bheatha  ;  'na 
fhior  sgoileir,  agus  eolas  air  leth  aige  gu  h- 
araidh  air  canainean.  Leughadh  is  thuigeadh 
e  sia  canainean  deug,  agus  bha  e  mion-eolach 
air  suas  ri  dusan  dhiubh,  ach  is  e  a'  Ghaidhlig, 
canain  bhog  bhlath  a  mhathar,  a  bu  ghradh- 
aiche  leis  os  cionn  nan  uile,  agus  is  ann  a' 
searmonachadh  'sa  Ghaidhlig  a  bha  e  aig  airde 
a  sholais  is  a  bhuadhan. 

"  Chuir  e  a  mach  Faclair  mor  Gaidhlige  bho 
chionn  leth-dusan  bliadhna  ;  leabhar  a  tha 
leigeil  fhaicinn  ard-fhoghluim  agus  a  mhor- 
shaothair  air  taobh  ar  canain.  Cha  bu  bheag 
an  obair-beatha  do  dhuine  a  leithid  de  leabhar 
a  chur  ri  cheile.  Chuir  e  Turus  a'  Chriosduidh 
a  mach  bho  chionn  tri  bliadhna,  agus  e-fhein 
air  a  thionndadh  as  tir  gu  Gaidhlig  ;  agus 
iomadach  leabhar  feumail  eile  mar  a  tha  fhios 
aig  na  Gaidheil  a  bhios  a'  leughadh  leabh- 
raichean  'n  an  canain  fhein.  Agus  an  ceartach- 
adh  mu  dheireadh  a  fhuair  am  Biobull,  'sa 
bhliadhna  191 1?  is  e  'na  aonar  a  thug  dha  e, 
agus  cha  bu  bheag  an  t-saothair  sin  fhein  ged 
thug  e  mor  thlachd  dha-san  a  dheanamh. 

"  Mar  is  maith  a  tha  fhios  aig  moran  de  luchd- 
leughaidh  na  duilleige  so  bha  e  a'  deasachadh 
na  Fianuis  Ghmdhealaich  bho  thoisich  i  an  toisech 
an  deidh  an  Aonaidh  'sa  bhliadhna  1900  gu 
AonadhEaglais  nah-Albao  chionn  da  bhliadhna, 
agus  bha  e-fhein  agus  a  charaid  dileas  an  Doctor 
MacLaomuinn  am  Blar-an-Atholl  air  stiuir  na 
duilleige  so  bhon  uair  sin  gus  na  chaochail  e. 
Gus  na  bliadhnachan  mu  dheireadh  bha  e  gach 
mios  a  sgriobhadh  a  chuid  bu  mhotha  le  a  laimh 
fhein,  agus  bhiodh  fadachd  air  moran  feadh  na 


Gaidhealtachd  gus  an  tigeadh  an  Record  agus 
an  leughadh  iad  an  Fhianuis.  Bha  blathas  is 
carthannachd  an  t-soisgeil  air  a  chur  cho  direach 
soilleir  agus  gu  robh  buaidh  dusgaidh  cho  maith 
ri  buaidh  sasachaidh  is  toileachaidh  'san 
Fhianuis  'nuair  a  bha  e  air  an  stiuir,  agus  e  an 
ti'eun  a  neirt  is  f  hallaineachd.  Ged  nach  dean- 
adh  an  Doctor  Maclllinean  de  shearmonachadh 
ach  sin  fhein  bidh  ainm  beannaichte  am  measg 
moran  Ghaidheal  thall  sa  bhos. 

"  Is  a  fior  ministear  mor  anns  gach  doigh  a  bha 
an  Calum  Ban,  mar  chanadh  na  cairdean  is  na 
h-eolaich  ris  na  bhalach,  duine  a  bha  tighinn 
beo  ann  an  daimh  dhliith  da  rireadh  ri  Fear- 
a-ghraidh.  Bha  an  diadhaidheachd  agus  co- 
chomunn  an  t-Slanuigheir  air  fas  cho  nadurrach 
dha  ri  tarruing  analach  agus  mar  sin  cha  robh 
ni  beag  no  cumhang  'na  spiorad  no  'na  inntinn. 
Bha  e  na  dhuin-uasal  gu  nadurrach,  is  bha  blath 
fs  loinn  an  t-soisgeil  air  an  uaisleachd  sin  daon- 
nan.  Cha  robh  aite  sam  bitheadh  e  no  comunn 
anns  an  suidheadh  e,  anns  nach  biodh  grinneas 
is  aoibhneas.     Bha 

Tiis  ratha,  rogha  dealbh, 

Uirghiol  mhaith  is  deagh  labhraidh, 

anns  gach  aite  am  bitheadh  e. 

"  'Se,  ma  tha,  aoibhneas  is  uaill  a  bhuineas  do'n 
Eaglais  air  son  an  teachdaire  chaoimh  agus 
ghradhaich  a  chaidh  dhachaidh  ;  agus  ged  a 
thuit  prionnsa  agus  duine  nior  an  diugh  ann  an 
Israel,  chan  e  tuiteam  gun  eirigh.  Is  ann  tha 
e  a  nis  am  measg  nan  laoch  a  chaidh  romhainn 
do'n  duthaich  as  fearr,  far  an  coinnich  sinn 
fhathast,  maille  ri  Criosd,  fear-ar-graidh. 

"  Bidh  coibhneas  is  co-fhaireachduin  nan  cair- 
dean, agus  tha  iad  lionmhor,  a  dol  a  mach  a  dh' 
ionnsuidh  na  dithis  nighean  a  dh'  fhag  e,  Anna 
a  tha  posda  aig  mac  do'n  Urramach  Padraig 
Maclomhair  a  bha  'na  mhinisteir  'sa  Bhogh- 
mhor  an  Ila,  agus  Mairi  a  tha  posda  aig  lighiche 
uasal  a  mach  air  braight  Dhuneideann,  agus  a  dh' 
ionnsuidh  an  luchd-daimh  aig  an  tigh  is  thairis." 

Calum  Mac  Leoid. 


Facail  Dhuilich 


Bu  mhaith  leinn  anns  an  aireamh  so  beagan 
mineachaidh  a  dheanamh  air  facail  a  tha 
sgriobhta  anns  a'  Bhiobull,  facail  mu  am  faodar 
a  radh  mar  thuirt  an  t-abstol  Peadar  mu  litrich- 
ean  Phoil,  "  anns  am  bheil  cuid  de  nithean 
duilich  a  thuigsinn,  a  tha  a'  mhuinntir  a  tha 
aineolach  agus  neo-shuidhichte  a'  fiaradh, 
amhuil  a  ni  iad  mar  an  ceudna  air  na  sgriobturan 
eile.  a  chum  an  sgrios  fein."  Chan  ann  a  chum 
ar  sgrios,  no  a  chum  gu'm  biodh  iad  'nan  cnap- 
starra  dhuinn  a  thug  Dia  na  sgriobturan  dhuinn, 
ach  a  chum  eolas  a  thoile  a  thoirt  duinii  agus 
oileineachadh  ann  am  fireantachd.     Mar  sin  is 


e  ar  ceud  dhleasanas  a  thaobh  facal  Dhe  oidhirp 
a  dheanamh  air  a  thuigsinn. 

Crvaidhichidh  mise  cridhe  Pharaoh  Ecsodus, 
vii.  3. 

Ciod  a  tha  am  facal  so  a'  ciallachadh  ?  An 
ann  aig  Dia  a  bha  a'  choire  gu'n  do  rinn  Pharaoh 
olc  ?  Chan  ann  ;  ma  their  thu  sin  tha  thu  a' 
dol  calg-dhireach  an  aghaidh  an  fhoillseachaidh 
a  tha  againn  mu  nadur  Dhe  anns  a'  chorr  de'n 
Bhiobull.  Tha  aon  riaghailt  a  dh'  fheumar 
daonnan  a  chuimhneachadh  ann  am  mineachadh 
a'  Bhiobuill,  agus  is  e  sin,  nach  coir  dhuinn  rann 
sam   bith   dheth   a  ghabhail   ann   an  seadh  a 


FACAIL  DHUILICH 


3 


bhreugnaicheas  teagasg  an  leabhair  gu  coit- 
chionn.  Tha  am  Biobull  a'  teagasg  gu  soilleir — 
cho  soilleir  's  nach  gabh  teagamh  a  bhi  uime — 
gu  bheil  Dia  maith  is  caomhail  ;  nach  brosnuich 
e  a  chlann  gu  olc  ach  na  aite  sin  gu  bheil  e 
gun  sgur  a'  feuchainn  ri  an  taladh  gu  maith  a 
dheanamh.  Mar  sin,  faodar  a  radh  le  cinnt 
nach  e  Dia  a  chruaidhich  cridhe  Pharaoh,  ged 
a  tha  am  fear  a  sgriobh  leabhar  Ecsodus  ag 
radh  gur  e,  agus  ag  radh  gu'n  d'  thubhairt  Dia 
fein  sin  ri  Maois. 

An  abrar,  ma  ta,  gu  robh  iighdar  Ecsoduis 
air  a  mhealladh  agus  gun  do  chuir  e  rud  ann 
am  beul  an  Tighearna  nach  eil  fior.  Chan 
abair  ;  cha  bhiodh  sin  ceart  na's  mo,  ach  bha 
iighdar  Ecsoduis  a'  sealltuinn  air  obair  Dhe  is 
freasdal  Dhe  anns  an  t-saoghal  ann  an  doigh 
ris  nach  eil  sinne  cleachdte  anns  an  la  an  diugh. 
Cha  robh  diadhairean  nan  seann  laithean  ud 
a'  toirt  suim  sam  bith  do  na  laghanan  nadurra 
sin  a  chi  sinne  ag  oibreachadh  ann  an  eachd- 
raidh  an  t-saoghail  agus  ann  am  beatha  mhic 
an  duine  ;  cha  robh  iad  a'  cur  cudthrom  air  na 
h-aobharan  nadurra  a  bha  toirt  air  ni  sonruichte 
tachairt  ; — bha  iad  a'  dol  air  ais  gu  priomh 
aobhar  nan  uile  nithean,  uile-uachdaranachd 
Dhe.  An  uair  a  chi  sinne  duine  a'  cruadhachadh 
anns  an  olc  their  sinn  gu  bheil  e  a'  buain  an  ni 
a  chuir  e  ;  is  leir  duinn  gur  e  cruas  is  dannar- 
rachd  is  raigse  a  chridhe  fein  a  tha  dol  o  bheag 
gu  mor,  agus  a'  toirt  a  mach  ann  an  toraidh 
dligheach.  Oir  tha  laghannan  an  t-saoghail 
spioradail  ag  oibreachadh  ann  an  inntinn  is 
beatha  mhic  an  duine  a  cheart  cho  cinnteach 
's  a  tha  laghannan  an  t-saoghail  nadurra  ag 
oibreachadh  mu'n  cuairt  da.  Ma  mhuchas 
duine  a  choguis  aon  uair  tha  e  na's  buailtiche 
air  a  miichadh  an  dara  uair  ;  sin  an  lagh 
spioradail,  agus  ma  mhuchas  e  i  gun  sgur, 
theagamh  gu'n  stad  i  a  labhairt  ris. 

Ma  tha  coguis  mharbh  aig  duine,  theirea- 
maid  sinne  gur  e  an  duine  fhein  a  leig  bas  i, 
ach  a  reir  am  modh-labhairt  a  bha  aig  na 
Eabhruidhich  theireadh  iad  gu7i  do  mharbh  Dia 
a  choguis. 

Ann  an  aon  seadh  tha  sin  fior,  oir  is  e  Dia  a 
chruthaich  mac  an  duine  mar  tha  e,  agus  is  e 
Dia  iighdar  nan  laghanan  spioradail  sin  a  tha 
ag  oibreachadh  'na  bheatha,  ach  chan  'eil  sin 
a'  ciallachadh  gur  ann  aig  Dia  a  tha  a'  choire 
gu'n  do  bhasaich  coguis  an  duine,  is  cha  mho 
a  bha  am  fear  a  sgriobh  Ecsodus  a'  creidsinn 
sin,  a  dh'aindeoin  a  chainnte.  Tha  so  soilleir 
gu  leoir  oir  ann  an  rannan  eile  de'n  leabhar 
tha  e  ag  radh  gu'n  do  chruaidhich  Pharaoh  a 
chridhe  fhein. 

Is  e  an  fhirinn  nach  robh  e  furasda  dhasan 
is  chan  'eil  e  furasda  dhuinne  briathran  fhao- 
tainn  anns  nach  bith  cearb  an  uair  a  thoisichear 
air  an  da  ni  dheacair  so  a  chumail  ri  cheile, 
gun  an  dara  rud  dhiubh  a  bhi  breugnachadh  an 


ruid  eile,  uile-uachdaranachd  Dhe  agus  saorsa- 
toile  mhic  an  duine.  Tha  an  da  ni  fior,  ach 
CO  as  urrainn  an  da  fhirinn  sin  a  thathadh 
r'a  cheile  ann  an  doigh  anns  nach  fhaighear 
cearb  }' 

Sin  aon  de  na  ceistean  a  bha  beatha  Pharaoh 
a'  togail,  air  chor  agus  nach  'eil  e  iongantach 
gu  bheil  am  fear  a  sgriobh  Ecsodus  ag  radh 
an  trath-sa  gu'n  do  chruaidhich  Dia  a  chridhe, 
agus  a  ris  gu'n  do  chruaidhich  e  a  chridhe  fein. 

Rinn  Pharaoh  olc  agus  fhuair  e  a  pheanas- 
achadh  air  a  shon,  ach  rinn  e  an  t-olc  le  saorsa 
a  thoile  fein  agus  cha  b'  urrainn  e  a'  choire  a 
chur  air  Dia.  Bhrath  ludas  an  Slanuighear, 
agus  theirear  mac  an  sgrios  ris,  ach  rinn  e  na 
rinn  e  le  shaor  thoil.  Gidheadh  bha  fhios  aig 
Dia  roimh  laimh  gun  rachadh  Pharaoh  agus 
ludas  a  sgrios,  agus  'na  uile-uachdaranachd 
chleachd  e  iad  gu  bhi  a'  cur  an  ceill  a  riiintean 
siorruidh.  Dh'  oibrich  fearg  nan  daoine  sin 
fireantachd  Dhe. 

Tha  so  a'  togail  cheistean  nach  urrainn  sinn 
fhuasgladh,  ach  is  e  an  t-aon  ni  a  dh'  fheumas 
sinn  greimeachadh  air,  nach  do  bhrosnuich  Dia 
riamh  agus  nach  brosnuich  e  gu  brath  duine  gu 
aingidheachd  a  dheanamh.  Bha  cridhe  Pharaoh 
air  a  chniadhachadh  do  bhri;i:h  nach  lei'eadh 
an  t-olc  agus  -iii  ciannarrachd  agus  an  t-uabhar 
leig  e  fein  a  strio^hdadh  do  Dhia  ;  is  ann  aige  i 
fhein  a  bha  a  choire,  agus  eadhon  an  uair  a  thuit 
dioghaltas  an  Tighearna  air,  bha  Dia  ceart  'na 
uile  shlighean  is  naonrih  'na  uile  ghniomharan. 

Na  h-abradh  duine  air  bith  an  uair  a  bhuairear 
e,  Tha  mi  air  mo  bhuaireadh  le  Dia  :  oir  tha  e 
eu-comasach  Dia  a  bhuaireadh  le  olc  ;  cha  mho 
a  bhuaireas  esan  duine  air  bith.  Ach  tha  gach 
duine  air  a  bhuaireadh  an  uair  a  tha  e  air  a 
tharruing  air  falbh  le  ana-miann  fein,  agus  air 
a  mhealladh." 

Ge  b'e  labhras  toibheum  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoimh,  chan  fhaigh  e  maitheanas  a 
chaoidh. 

Sin  facal  eile  a  tha  'na  chnap-starra  do 
mhoran  dhaoine.  Ach  ciod  air  bith  a  tha  e  a' 
ciallachadh  faodar  a  bhi  cinnteach  nach  'eil  e 
a'  cumhannachadh  trocair  Dhe,  oir  mar  thuirt 
sinn  cheana,  cha  choir  dhuinn  aon  rann  de'n 
Bhiobull  a  thuigsinn  ann  an  seadh  a  tha  dol  an 
aghaidh  teagasg  a'  Bhiobuill  gu  coitchionn,  agus 
tha  am  Biobull  a'  teagasg  gu  soilleir  nach  diult 
Dia  maitheanas  do  pheacach  a  ni  aithreachas, 
eadhon  air  bruaich  na  h-uaighe. 

Bha  am  facal  so  air  a  labhairt  ris  na  Phairisich 
an  deidh  do  losa  balbhan  a  leigheas.  An  aite 
iad  a  bhi  toilichte  gu  robh  obair  bheannaichte 
air  a  deanamh,  is  ann  a  thoisich  iad  air  a  radh 
gu  robh  losa  ann  an  co-bheinn  ri  Beelsebub, 
Prionnsa  nan  deamhan.  Bha  a  leithid  de  ghuin 
is  de  ghamhlas  aca  dha  'nan  cridhe  's  gu'n  do 
dhall  iad  an  siiilean  (chunnaic  iad  le'n  suilean 


4 


FACAIL  DHUILICH— ANNS  A'  CHATHAIR 


an  obair  mhaith  a  rinn  e)  agus  gu'n  do  mhiich 
iad  an  coguis  seach  aideachadh  gu'm  bu  duine 
e  anns  an  robh  cumhachd  Dhe.  Bha  an  spiorad 
sin  cho  olc  agus  an  staid-inntinn  sin  cho  ifi'in- 
neach  's  gu'n  do  chuir  e  crith  air  feoil  losa, 
agus  labhair  e  am  facal  so  a  thoirt  rabhaidh 
dhaibh  mu'n  staid  chunnartaich  anns  an  robh 
iad  ;  mar  gu'n  abradh  e  riu,  Ciod  is  urrainn  Dia 
fein  a  dheanamh  ri  daoine  coltach  ribhse,  daoine 
a  dhiiin  an  suilean  an  aghaidh  an  t-soluis,  agus 
leis  an  fhearr  a'  bhreug  na'n  fhirinn  ? 

Cha  do  dhiult  Dia  riamh  agus  cha  diult  e  gu 
brath  maitheanas  do  pheacach  aithreachail,  oir 
tha  a  throcair  farsuing  mar  an  cuan,  ach  leis  an 
fhacal  so  tha  Criosd  a'  toirt  rabhaidh  do  dhaoine 
gu'm  faod  am  peacadh  tighinn  gu  a  leithid  de 
ire  'nam  beatha  's  gu'm  bi  iad  air  am  beo- 
ghlacadh  leis,  air  chor  agus  nach  bi  e  comasach 
daibh  aithreachas  a  dheanamh  a  chionn  gur 
fhearr  leo  an  dorchadas  na'n  solus. 

Ge  b'e  neach  leis  an  aill,  thigeadh  e,  tha 
losa  ag  radh,  "  agus  an  ti  a  thig  cha  tilg  mi 
air  chor  sam  bith  a  mach  e."  Ach  ann  am 
beatha  euid  de  dhaoine  tha  gaol  a'  pheacaidh 
is  fuath  do  fhirinn  is  do  dhiadhaidheachd  cho 
laidir  's  nach  aill  leo.  Sin  na  daoine  a  tha 
ciontach  do  thoibheum  an  aghaidh  an  Spioraid 
Naoimh. 

Tha  fiosrachadh  ar  beatha  a'  teagasg  dhuinn 
gu'm  faod  duine  dol  cho  fada  air  aghaidh  anns 
a'  pheacadh  's  nach  'eil  e  tuilleadh  comasach 
air  a  threigsinn,  no  aithreachas  a  dheanamh. 
Agus  tha  e  caoin-shuarach  ged  nach  'eil,  oir  is 
biadh  is  deoch  dha  aingidheachd  a  dheanamh. 
Bho'n  staid  thruagh  sin  gu'n  saoradh  Dia  sinn 
uile  ! 

Aig  am  sonruichte  'na  bheatha  bha  eagal  air 
Iain  Bunyan  gu'n  do  labhair  e  fhein  toibheum 
an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimh,  agus  an  sid  's 
an  so  ffheibhear  fhathast  daoine  air  am  bheil 


an  t-eagal  ceudna.  Ach  ma  tha  eagal  de'n  t- 
sebrsa  so  air  duine,  tha  sin  '71a  chomharra  ci?mteach 
nach  do  rinn  e  am  peacadh  a  tha  a'  cur  eagail  air. 
Oir  tha  an  t-eagal  sin  a'  nochdadh  gu  bheil  e 
fo  iomguin  spioradail ;  gu  bheil  faireachduinnean 
spioradail  beo  ann.  Chan  e  iadsan  air  a  bheil 
ciiram  anama  no  eagal  breitheanais  a  tha  cion- 
tach de'n  pheacadh  so,  ach  iadsan  a  tha  socru- 
ichte  air  an  deasgainnean  ;  gun  suim,  gun  eagal, 
gun  iomradh  air  Dia  no  siorruidheachd  ;  iadsan 
aig  a  bheil  coguisean  mai'bh  is  cridheachan  cho 
cruaidh  ri  creig. 

Chan  e  peacadh  sonruichte  no  aon  pheacadh 
uamhasach  a  tha  air  a  chiallachadh  le  toibheum 
an  aghaidh  an  Spioraid  naoimh,  ach  staid  cridhe, 
staid  cridhe  a  tha  cho  olc  's  gu  bheil  beatha  an 
duine  sin  uile  gu  leir  an  aghaidh  Dhe,  an 
aghaidh  fireantachd,  an  aghaidh  firinn,  an 
aghaidh  graidh.  An  uair  a  dh'  fhasas  duine 
cho  olc  's  gu  bheil  fuath  aige  do  gach  ni  is 
neach  a  tha  maith,  faodar  a  radh  le  firinn  gu 
bheil  e  air  a  bheo-ghlacadh  le  peacadh  siorruidh 
agus  nach  faigh  e  maitheanas  anns  an  t-saoghal 
so  no  anns  an  t-saoghal  a  ta  ri  teachd,  do 
hhrigh  nach  'eil  iarraidh  aige  air. 

Chan  iompaich  Dia  duine  sam  bith  an  aghaidh 
a  thoile,  agus  an  uair  a  tha  toil  duine  a'  fas  cho 
truaillidh  mar  thoradh  olcais  fein,  ciod  is  urrainn 
Dia  a  dheanamh  ris  ?  Ciod  ach  leigeil  leis  a' 
bhinn  seasamh,  "  Esan  a  tha  salach  bitheadh 
e  salach  fathast,  agus  esan  a  ni  eucoir  deanadh 
e  eucoir  fathast."  Cha  tig  an  latha  gu  brath 
anns  an  diult  Dia  maitheanas  do  neach  air  bith 
a  ghlaodhas  ris  le  cridhe  briste  is  briiite  ;  ach 
faodaidh  an  latha  tighinn  anns  nach  iai'r  am 
peacach  trocair,  do  bhrigh  gu  bheil  e  Ian 
thoilichte  le  beatha  na  h-eucoir.  Sin  an  t-aon 
pheacadh  a  ta  siorruidh,  ctil  a  chur  a'd'  dheoin 
ris  a'  mhaitheanas  a  tha  air  a  thairgsinn  gu  saor 
le  Dia. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  na  laithean  so  tha  iomguin  ann  an 
cridheachan  dhaoine  mu  chor  na  diithcha 
agus  eagal  orra  gu  bheil  Breatunn  a'  call  a 
h-aite  am  measg  rioghachdan  an  t-saoghail. 
Chan  'eil  dad  agam-sa  ri  radh  air  a'  chliis  sin 
nach  cuala  agus  nach  do  leugh  ar  luchdleugh- 
aidh  cheana  anns  na  paipearan-naigheachd 
fichead  is  fichead  uair.  Theagamh  gu  bheil 
na  tha  sinn  a'  leughadh  anns  na  paipearan- 
naigheachd  fior  mu  na  h-aobharan  gu  bheil 
Breatunn  agus  an  saoghal  uile  ann  an  droch 
shuidheachadh  anns  na  bliadhnachan  so  ;  cion 
oibre,  is  cion  airgid,  is  duileadas  ar  bathar  a  reie, 
ach  tha  aobhar  aig  na  h-aobharan  sin  fhein,  agus 
feumar  a  chuimhneachadh  gur  e  priomh-aobhar 
nan  truaighean  a  thainig  oirnn,  an  cogadk. 
Fad  cheithir  bliadhna  chaidh  rioghachdan  an 


t-saoghail  air  a'  chuthach  ;  ma  bha  cuid  dhiubh 
air  mhire-chatha  na  bu  mhotha  na  each,  cha 
robh  gin  dhiiibh  gun  chionta  ;  chosd  iad  na 
bha  aca  agus  am  barrachd  a'  mort  agus  a' 
marbhadh  a  cheile,ach  an  deidh  sin  a  dheanamh, 
bha  dxiil  aca  gu  rachadh  an  saoghal  air  aghaidh 
mar  bha  e  roimhe.  Bha  diiil  aca  nach  cuireadh 
Dia  a  chunntais  thuca,  agus  nach  buaineadh  iad 
an  ni  a  chuir  iad.  Ach  cha  mhagar  air  Dia  ;  an 
ni  sin  a  chuireas  duine  buainidh  iad. 

Ciod  a  tha  ann  an  gort  nan  laithean  so,  cion 
oibre  is  cion  airgid,  ach  tuarasdal  a'  pheacaidh  ? 
Cha  toigh  le  daoine  an  diugh  a  bhi  cluinntinn 
iomraidh  air  breitheanas  Dhe,  ach  ciad  eile  a 
tha  ri  radh  mu  chuisean  na  rioghachd  aig  an 
am  so  ach  gu  bheil  Dia  a'  toirt  breitheanas 
oirnn  ?     Na  laghannan  siorruidh  is  seasmhach 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a  tha  air  an  steidheachadh  air  fhireantachd  ; 
tha  iad  ag  oibreachadh  a  mach  gu  an  ceann- 
criche.  Ach  bu  shona  do'n  rioghachd  na'm 
{'       b'  urrainnear  a  radh  le  firinn,  "  An  uair, 

Tha  eagal  oi-m  nach  gabh  sin  a  radh  mu 
Bhreatunn  fhathast,  oir  chan  fhaic  mi  aon 
chomharra  am  measg  comharran  eile  na  h- 
aimsir  gu'n  do  rinn  ar  sluagh  aithreachas  air 
son  a'  chogaidh,  no  gu  bheil  e  a'  gortachadh  an 
coguisean  gu  bheil  iad  fein  agus  na  rioghachdan 
eile  armaichte  gu'n  siiilean,  deas  gu  leum  a 
mach  a  chogadh  a  ris  an  uair  a  dh'  eireas  aimh- 
reit  eatorra. 

Neo-ar-thaing  nach  'eil  seanchas  a'  dol  air 
aghaidh  mar  gu'm  biodh  na  rioghachdan  a' 
ciallachadh  crioch  a  chur  air  cogadh,  ach  chan 
'eil  an  sin  ach  briathran  mine  meagh-bhlath  a 
chuireas  daoine  'nan  cadal,  is  fad  na  h-iiine 
tha  iad  uile  ag  ullachadh  air  son  a  cheile  a 
mhort  a  ris.  Ach  tha  na  h-eaglaisean  balbh,  is 
Eaglais  na  h-Alba  cho  balbh  ri  each  ;  faidhean 
breige  'a  teagasg  ann  an  Parlamaid  agus  air  na 
sraidean  ma  's  aill  leihh  sith  hithibh  deas  air  son 
cogaidh,  agus  gun  neach  ann  a  tha  togail  a 
ghutha  'n  an  aghaidh. 

Ach  bithidh  a  bhuil,  agus  tha  a  bhuil  cheana  ; 
chuir  an  cogadh  mu  dheireadh  ainbheach  air 
an  rioghachd  a  chumas  fodha  i  cho  fad  s  a  bhios 
duine  de  'n  ghineil  so  beo,  ma  gheibh  i  os  a 
chionn  gu  brath. 

Truailleadh  a'  chogaidh 

Chan  e  mhain  gun  do  rinn  an  cogadh  an 
rioghachd  bochd  ach  thruaill  e  a  h-inntinn  mar 
an  ceudna  :  Rinn  e  atharrachadh  air  daoine, 
atharrachadh  air  am  beachdan  agus  air  an 
cleachdaidhean,  air  chor  agus  gu  bheil  gineal 
6g  ag  eirigh  suas  an  diugh  a  tha  an  diiil  gu'm 
faigh  iad  troimh  n  t-saoghal  gun  obair  a 
dheanamh.  Chuir  an  cogadh  leisg  is  farmad 
annta  ;  gaol  air  spleadhachas  is  fein-thoileach- 
adh,  agus  dh'  ionnsaich  iad  droch  fhasain  ann  a 
tha  'g  am  milleadh  gu  buileaeh  'n  an  teaghlaich- 
ean  fein  an  diugh. 

Theagamh  gu'n  saoil  thu,  a  leughadair,  gu 
bheil  so  ro  laidir,  ach  chan  'eil  idir  ;  dh'  fhao- 
dadh  e  bhi  air  a  chur  na  bu  laidire,  oir  chuir  an 
cogadh  cogull  ann  an  inntinnean  dhaoine  nach 
gabh  creidsinn  ;  cogall  a  tha  an  impis  a'  ghineal 
so  a  chur  air  seachran  orra  fein  agus  air  Dia. 
athan  e  call  codach  an  call  as  miosa  a  tha  lean- 
Cuinn  cogaidh,  no  eadhon  call  nan  daoine,  ach 
an  dochann  a  tha  e  a'  deanamh  air  inntinnean  is 
spioradan  is  cridheachan  nam  beo,  air  chor  agus 
gu  bheil  iad  a  dol  air  an  ais  ann  an  tuigse,  agus 
ann  an  caomhalachd,  agus  anns  a'  ghliocas  ata 
o  shuas.  Cuir  sluagh  air  bith  fo  riaghladh  airm, 
agus  fo  bhuaidh  propaganda,  fad  cheithir 
bliadhna,  agus  bithidh  iad  n  a  athar  gu  la  am 
bais.  Cuiridh  e  dreach  air  na  h-inntinnean  aca 
nach  stein  gu  brath. 


Cion  oihre 

Tha  cion  oibre  anns  an  diithaich  gun  teagamh, 
oir  mur  bitheadh  cha  bhiodh  na  miltean  'n  an 
tamh,  ach  tha  e  fior  cuideachd  gu  bheil  gu  leor 
de  obair  ri  dheanamh  anns  an  diithaich  agus 
gun  duine  ann  a  ni  oi.  Co  dhiubh  a  theid  thu 
troimh  achaidhean,  no  choisicheas  tu  air  an 
rathad  mhor,  no  shiiibhlas  tu  ann  an  carbad- 
iaruinn,  chi  thu  air  gach  taobh  dhiot  comharran 
foUaiseach  air  leisg  is  mi-sgoinn  nan  laithean 
so.  A'  chraobh  a  thuiteas  anns  a'  gheamhradh 
leis  an  stoirm,  agus  a  bhiodh  maith  gu  connadh, 
fagar  i  far  an  do  thuit  i  gus  an  grod  i.  Na 
copagan  a  tha  fas  ri  taobh  an  rathaid  agus  a' 
garnachadh  na  diithcha,  chan  eil  duine  ann  a 
ghean*as  iad,  ged  tha  da  muillean  gu  leth  de 
dhaoine  n  an  tamh.  Tha  raontan  farsuing  a' 
dol  fo  rainneach  no  fo  dhioffain  a^us  ffun  duine 
ann  a'  toirt  suil  orra  ;  achaidhean  anns  am  bu 
choir  feurmaith  a  bhi  fas,  tha  iad  air  am  bathadh 
le  uisge  a  chionn  nach  cuir  na  daoine  leis  an 
leis  iad  de  dhragh  orra  fein  's  gu'n  glan  iad  dig. 
Garraidhean  air  tuiteam  ;  geatachan  briste 
gun  bhannan  ;  feanntaga  is  copagan  is  buin- 
neagan  is  buaghlan  ruadha  a'  fas  cho  ard  ris  a' 
choiree  ;  is  achaidhean  tuirneap  no  buntata  a' 
tighinn  beo  le  salchar — sin  agad  an  sealladh  a 
chi  thu  ann  an  sgirean  diithcha  an  diugh.  Tha 
aghaidh  na  diithcha  air  atharrachadh  leis  a 
mhi  sgoinn. 

Bu  choir  don  h-uile  gineal  mathachadh,  is 
reiteachadh  a  dheanamh  air  son  na  gineil  a 
thig  'na  deidh.  Ach  chan  'eil  a'  ghineal 
so  a'  deanamh  dad.  Chan  f  hag  i  dileab  aig 
an  ath  ghineil  ach  ballacha  briste  agus  ainbh- 
each. Na  tighean  a  fhuair  sinn  bho  ar  n- 
aithrichean,  bha  iad  de  chloich  agus  de  aol, 
ach  na  tighean  a  dh'  fhagas  sinn  aig  ar 
cloinn,  cha  bhi  annta  ach  fiodh  is  tin  ;  dileab 
leibideach. 

Tha  neo-sgiobaltachd  na  diithcha  follaiseach 
don  h-uile  duine  a  tha  fuireach  air  an  diithaich, 
ach  tha  daoine  cho  driopail  a  ruith  o  aite  gu 
aite  air  cuibhlichean  s  nach  'eil  iiine  aca  air  car 
oibre  a  dheanamh.  Their  na  h-uachdarain  nach 
urrainn  dhaibh-san  dad  a  dheanamh  a  chionn 
gu  bheil  iad  cho  bochd,  ach  na'm  fanadh  iad 
aig  an  tigh  an  aite  bhi  ri  spagadagliog  ann  an 
Lunnainn,  agus  na'n  sealladh  iad  as  deidh  an 
speirbhisich  a  tha  ag  itheadh  an  codach  ann  an 
diomhanas  cha  bhiodh  iad  cho  bochd  's  a  tha 
iad.  Their  an  sgalag  nach  robh  esan  air  fhas- 
dadh  gu  bhi  gearradh  chopagan  no  fheantagan 
an  deidh  coig  uairean,  is  leumaidh  e  air  na 
cuibhlichean  man  gann  a  ruigeas  spag  an 
uaireadair  an  uair.  Nan  cuireadh  an  tuathan- 
ach  dheth  a  chota,  agus  na'n  gabhadh  e  speal, 
dh'  f  haodadh  e  na  luibhean  agus  an  luachair  a 
tha  tacadh  na  dige  a  ghearradh  ann  an  leth 
latha,  ach  cha  dean  e  sin  ;   tha  e  air  falbh  gach 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


dara  la  den  t-seachduin  ann  am  motor  car  o 
mhargadh  gu  margadh,  a'  cosg  iiileadh  is  iiine. 
Agus  air, a'  cheami  mu  dheireadh,  an  uair  a 
bhios  na  h-achaidhean  aige  air  am  bathadh  le 
uisge,  gun  dad  a  fas  annta  ach  luachair  is  cuile 
theid  e  gu  coinneamh  an  Duneideann  far  an 
dean  e  fhein  agus  a  leithidean  eile  gearan 
bronach  nach  eil  an  Government  a'  deanamh 
dad  air  son  an  tuathanaich. 

Sin  mar  tha  gnothuichean  air  an  duthaich  an 


diugh  ;  tighean  is  saibhlean  a'  tuiteam  ;  gar- 
raidhean  air  an  leigeil  fo  fheanntagan  ;  fearann 
air  a  dhroch  oibreachadh — agus  sin  uile  leis 
a'  mhi-sgoinn.  Obair  gu  leor  ri  dheanamh  agus 
i  gun  deanamh,  a  chionn  gu  bheil  sinn  uile  a' 
fas  leasg,  agus  a'  feitheamh  gus  an  dean  an 
Government  an  rud  a  bu  choir  dhuinn  fein  a 
dheanamh.  Cha  bhi  rath  air  an  duthaich  so  gu 
brath  gus  an  tuig  daoine  gu'm  feum  iad  sao- 
thrachadh  air  son  an  loin. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  uair  a  thig  mi  dhachaidh,  an  deidh  dhomh 
a  bhi  greis  air  falbh  o'n  tigh,  chan  'eil  solas 
as  fhearr  leam  na  ceum  a  ghabhail  do'n  Choille 
Bheithe.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  'n  am 
shuidhe  innte  an  drasd,  ag  51  a  steach  air  gach 
por  'n  am  choluinn  samhchair  bheannaichte  is 
maise  an  t-saoghail.  Tha  a'  ghrian  air  bheul 
dol  fodha,  ach  ged  tha  dathan  riomhach  air  an 
speur  OS  cionn  Bhruar,  b'  fhearr  leam  dol  fodha 
na  greine  fhaicinn  an  iomadh  aite  seach  an 
Atholl.  Bho  chionn  seachdiiin  chunnaic  mi  a' 
ghrian  a'  dol  fodha  air  Caol  Muile  le  rioghalachd 
is  soluimteachd  is  anbharrachd  gloire  nach  f haca 
mi  riamh  an  Atholl.  Agus  co  is  urrainn  seall- 
tainn  air  oirdheirceas  na  h-iarmailt  agus  maise 
iongantach  an  t-saoghail  an  uair  a  tha  a'  ghrian 
a'  dol  fodha  anns  a'  chuan  gun  rud-eigin  de 
urram  agus  de  eagal  diadhaidh  a  bhi  air  an 
diisgadh  'na  chridhe  !  Co  ach  an  t-umpaidh 
agus  an  t-amadan  a  theireadh  nach  eil  Dia 
ann  !  Tha  na  neamhaii  a'  cur  an  geill  glbir  Dhe 
agus  na  speuran  a'  nochdadh  gmomh  a  lamh. 

Cia  glormhor  t'oibre-sa  g:u  leir  ! 

Cia  treun  thu  fein  an  neart ; 

Co  'n  ti  nach  tugadh  dhuit-.sa  cliii ! 

Molam  s'  thii,  Dhia  nam  feart. 

Aig  an  dearbh  mhionaid  so  tha  corr  is  se  ceud 
de  luchdriaghlaidh  na  diithcha  cruinn  ann  an 
Tigh  na  Parlamaid,  a'  caoidh  cor  na  duthcha 
agus  a'  feuchainn  ri  cuisean  a  chur  ceart,  ach 
cia  meud  de'n  t-se  ceud  sin  a  b'  urrainn  innseadh 
dhuit  am  mughadh  a  tha  eadar  uinnsean  is 
darach,  no  eadar  beithe  is  critheann.  Thea- 
gamh  gu'n  abair  thusa  a  leughadair,  gu'm  faod 
iad  a  bhi  comasach  gu  leoir  air  an  'diithaich  a 
riaghladh  ged  nach  aithne  dhaibh  aon  chraobh 
o  chraoibh  eile,  no  aon  f hliir  o  fhlur  eile.  Chan 
abair  mise  nach  fhaod,  ach  air  a  shon  sin  cha 
toigh  leam  daoine  a  bhios  'gam  theagasg  agus 
'gam  threorachadh  ann  an  nithean  mor  is 
diomhair  a  bhi  aineolach  ann  an  nithean  beag 
is  soilleir. 

Anns  na  paipearan-naigheachd  o  chionn  tri 
seachduinnean  tha  seanchas  is  deasbud  gun  sgur 
a'  dol  air  aghaidh  mu'n  phunnd  Shasunnach  ;  an 
cunnart  anns  an  robh  e  ;  an  doigh  anns  an  robh 
e  air  a  chumail  gun  a  naire  a  chall ;  seanchas  is 
deasbud  mu  airgiod  agus  mu  bhancairean  agus 


mu  mhalairt  nach  'eil  mi  a'  tuigsinn.  Ach  bu 
mhaith  leam  a  bhi  cinnteach  gu  bheil  buill  na 
Parlamaid  fhein  'ga  thuigsinn.  Theagamh  gu 
bheil  cuid  dhiubh  a  tha,  ach  tha  gu  leoir  dhiubh 
a  bhios  a'  bruidhinn  uime  aig  nach  'eil  barrachd 
eolais  air  a'  chuis  na  tha  aig  bodach  na  gealaich. 
Tha  sin  furasda  gu  leor  fhaicinn  ;  mur  bheil  tiir 
ann  an  seanchas  duine  an  uair  a  bhruidheas  e 
air  nithean  as  aithne  dhuit  cha  mhaith  dhuit 
moran  earbsa  a  bhi  agad  ann  an  uair  a  bhruidh- 
neas  e  air  nithean  nach  aithne  dhuit,  agus  anns 
nach  urrainn  dhuit  a  thilleadh  no  chur  ceart. 

Tha  mi  an  dochas,  a  leughadair,  gu  bheil  de 
thuigse  agad  fein  's  nach  gabh  thu  so  uile  gu 
leir  gu  litireil,  agus  nach  abair  thu  gu'n  dubhairt 
mi  nach  'eil  feum  ann  duine  a  chur  do'n  Pharla- 
maid  mur  aithne  dha  cal  cearslacho  chal  ribeach, 
no  cearc-thomain  o  chearc-fhrasich.  Chan  'eil 
fhios  agam  an  aithneadh  Gladstone  iubhar- 
iuthar  o  iubharadhar,  no  am  faca  e  giogalorum 
riamh,  ach  air  a  shon  sin  bha  e  na  dhuine  glic 
agus  'n  a  dhuine  diadhaidh  cuideachd ;  Ian 
fhreagarrach  air  a  bhi  air  a  chur  air  cheann  na 
Parlamaid.  Bha  cho  beag  de  eolas  aig  Lloyd 
George  air  curachd  is  buain  's  gun  dubhairt  e 
aon  uair  gum  faodadh  achaidhean  buidhe 
cruithneachd  a  bhi  fas  ann  am  frithean  na  h- 
Alba  far  nach  fhaicear  an  diugh  ach  feidh,  ach 
air  a  shon  sin  cha  duine  guntiir  an  duine  a 
bhuannaich  an  cogadh. 

Is  e  an  f  hirinn  gu  bheil  sinn  uile  moran  moran 
na's  aineolaiche  na  tha  sinn  an  diiil  ;  aineolach 
mu  nithean  a  bu  choir  dhuinn  a  thuigsinn,  agus 
a  tha  mu  choinneamh  ar  siil  a  h-uile  la  d'  ar 
beatha.  Mur  bheil  thu  'g  am  chreidsinn  feuch 
ris  na  ceistean  so  a  f  hreagairt. 

(1)  Car  son  a  bhios  cu  a'  crathadh  earbaill  an 

uair  a  tha  e  toilichte  ? 

(2)  Car  son  a  tha  boirionnaich  gaolach  air  a 

cheile  a  phbgadh,  agus  nach  dean  fir  ach 
a  cheile  fhailteachadh  ? 

(3)  Car  son  a  thafeusag  air  fear  agus  nach  'eil 

i  air  bean  ? 

(4)  Car  son  a  sheasas  t' fihalt  an  uair  a  ghabhas 

tu  eagal  ? 

(5)  Co  as  a  tha  ceo  a'  tighinn,  is  ciod  a  tha  'ga 

aobharachadh  9 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— FOGARRACH  AIR  AN  TALAMH 


(6)  Car  son  a  tha  salann  anns  anfhairge,  agus 

gun  bias  an  t-salainn  air  na  h-aibhnichean 
a  tha  sruthadh  innte  ? 

(7)  Car  son  a  bhios  jlodh  a    bragail  air  an 

teine,  agus  car  son  a  tha  harrachd 
shradagan  ann  an  sebrsachan  Jiodha  na 
tha  ann  an  sebrsachan  eile  ? 

(8)  Ciamar  is  urrainn  cuileag  coiseachd  agus  a 

casan  os  a  cionn  ? 

(9)  Car  son  a  bhios  sinn  a  miananaich  ? 

(10)  Cb  an  taobh  da  cluasan  air  a  bheil  ad- 

haircean  mairt  ? 

(11)  Car  son  a  chithear  a  ghealach  iir  uairean 

air  a  druim  ? 


(12)  Cb  na  ceud  fhliiraichean  a  thig  a  much  'san 
earrach  ? 

Sin  agad  a  leughadair,  ceistean  mu  nithean 
nach  'eil  aon  chuid  diomhair  mo  annasach,  ach 
an  teid  agad  air  am  freagairt  gun  bhi  air  do 
chur  gu  naire  am  fianuis  do  mhnatha  ?  Mur 
teid,  agus  mur  h-aithne  dhuit  na  nithean  a  chi 
do  shiiil  air  an  talamh  cuimhnich  gur  coir  dhuit 
labhairt  gu  faiHdh  agus  gu  h-iriosal  mu  na 
nithean  nach  fhaca  siiil  agus  nach  cuala  cluas, 
na  nithean  a  tha  neofhaicsinneach  agus  sior- 
ruidh. 

Bha  Socrates  'n  a  dhuine  gUc,  chan  ann  a 
chionn  gu'm  b'  aithne  dha  barrachd  air  daoine 
eile  ach  a  chionn  gu'n  d'  aidich  e  'na  dheich  agus 
tri  fichead  bliadhna  nach  b'  aithne  dha  dad. 


Fogarrach  air  an  talamh 


0  CHIONN  fhada  nan  cian  bhiodh  na  seann 
mhanaich  ag  innseadh  sgeulachd  air  droch 
ludhach  air  an  d'thug  iad  an  t-ainm  Ahasuerus. 
A  reir  seanchas  nam  manach  bu  ghreusaiche 
Ahasuerus,  agus  bha  a  chridhe  cho  cruaidh  ris 
an  ealaig  air  am  biodh  e  a   deanamh  nam  brog. 

Bha  dorus  a  thighe  a'  fosgladh  air  an  t-sraid 
troimh  an  d'  thug  na  saighdearan  losa  chum  a 
cheusadh  an  taobh  a  muigh  den  bhaile.  Leis 
an  eucoir  agus  an  droch  ghiollachd  a  rinneadh 
air  bha  neart  losa  a'  failneachadh,  agus  anns  an 
dol  seachad,  leig  e  a  thaic  ri  ursann  dorus  a' 
ghreusaiche,  ag  iarraidh  faochadh  o  chudthrom 
na  craoibhe  a  leag  iad  air  a'  ghualainn.  Ach 
'nuair  a  chunnaic  an  greusaiche  so  thainig  e 
mach  agus  gu  borb  dh'  iarr  e  air  ursann-san 
fhagail  agus  gabhail  roimhe. 

Thionndaidh  losa  agus  thubhairt  e  ris,  '  Tha 
mise  a'  falbh,  ach  falbhaidh  tusa  cuideachd, 
agus  cha  sguir  do  shiubhal  gu  brath.' 

Dh'  fhag  Ahasuerus  a  bhean  's  a  chlann  agus 
o'n  la  sin  gus  an  diugh  cha  deachaidh  stad  air 
a  shiubhal  's  a  shior  imeachd.  Tha  e  'na 
f hogarrach  air  aghaidh  na  talmhainn ;  ag 
iarraidh  fois  is  dachaidh  gun  am  faighinn.  An 
drasd  chithear  e  anns  an  Fhraing,  's  a  ris  anns 
a'  Ghearmailt  ;  o  dhiithaich  gu  diithaich,  o 
bhaile  gu  baile,  tha  e  air  a  ruagadh  a  la  s  a  dh' 
oidhche,  is  cha  stad  a  shiubhal  gus  an  tig  Criosd 
an  dara  uair. 

Ciod  a  bha  na  manaich  a'  ciallachadh  leis  an 
t-seann  sgeulachd  so  ?  Tha  sinn  an  duil  gun 
robh  iad  a'  labhairt  ann  an  cosmhalachd  agus 
gu'n  robh  iad  a'  gabhail  Ahasueruis  mar 
shamhladh  air  na  h-Iudhaich,  agus  a'  gabhail 
na  mallachd  a  leagadh  air,  mar  shamhladh  air 
a'  bhreitheanas  a  thuit  or^a  mar  shluagh  an 
deidh  dhaibh  Criosd  a  cheusadh. 

Tha  na  h-Iudhaich  an  diugh  'nan  sluagh  gun 
diithaich,  gun  dachaidh  ;  nam  fogarraich  air 
aghaidh  na  talmhainn.  Tha  am  facal  a  tha 
air  a  sgriobhadh  m'an  timchioll  ann  an  leabhar 


Dheuteronomi  air  a  choimhlionadh  gu  litireil, 
"  Sgapaidh  an  Tighearn  thu  am  measg  nan 
uile  chinneach,  o'n  dara  ceann  de'n  talamh 
eadhon  gus  an  ceann  eile,  agus  am  measg  nan 
cinneach  chan  fhaigh  thu  suaimhneas  sam  bith, 
ni  mo  bhios  fois  aig  bonn  do  choise." 

Cha  robh  fhios  aca  ciod  a  bha  iad  a'  deanamh 
'nuair  a  ghlaoidh  iad,  "  Biodh  fhuil  oirnne 
agus  air  ar  cloinn."  Fhuair  iad  an  guidhe  agus 
thuit  mallachd  uamhasach  air  an  ceann.  Beagan 
bhliadhnachan  an  deidh  dhaibh  an  Slanuighear 
a  cheusadh  chaidh  Jerusalem  a  leagadh  gu  lar, 
agus  o'n  latha  sin  gus  an  diugh  tha  na  h- 
ludhaich  gun  fhonn,  gun  fhearann  ;  eadar  a' 
bhaobh  's  a'  bhuarach  am  measg  uile  shluagh 
an  domhain.  Tha  iad  'nan  daoine  deanadach, 
stuama,  crionna  ;  ach  air  dhoigh  air  chor-eigin 
tha  lamh  nan  uile  'nan  aghaidh  ;  chan 'eil  aig 
cinnich  eile  ach  buille  mu  seach  air  na  h- 
ludhaich.  Tha  comharra  Chain  air  clar  an 
aodainn  agus  eadhon  am  measg  rioghachdan 
Criosduidh  chan  fhaigh  iad  gu  bitheanta  lagh 
eile  ach  lagh  a'  choin  chrosda — "  buail  thall  is 
coinnich  a  bhos  e.  " 

Uair  is  uair  eile  rinneadh  a  leithid  de  gheur- 
leanmhuinn  orra  's  gu'n  do  theab  iad  a  bhi  air 
an  sgrios  bharr  aghaidh  na  talmhainn,  ach  tha 
iad  an  diugh  na's  lionmhoire  na  bha  iad  riamh. 
B'e  aireamh  nan  ludhach  an  uiridh  12,000,000, 
air  an  sgapadh  air  feadh  an  t-saoghail  mar  so  : — 


Ann  an  Russia 

5,215,000 

Ann  an  Austria 

1,125,000 

Anns  a'  Ghearmailt 

608,000 

Ann  an  Roumania 

250,000 

Anns  an  Tuirc 

300,000 

Ann  am  Breatunn 

238,000 

Anns  a'  Fhraing    . 

95,000 

Anns  an  Olaind     . 

106,000 

Ann  an  Lochlann 

8,000 

Anns  a'  Ghreig 

5,000 

Anns  an  Asia 

375,000 

Ann  an  Africa 

355,000 

8 


FOGARRACH  AIR  AN  TALAMH 


Ann  an  America    .  .  ,        2,1^5,000 

Ann  an  Astralia     .  .  20.000 

Chan  urrainnear  a  radh  gu'n  d'  fhuair  na  h- 
ludhaich  rianih  ceartas  on  eaglais  Chriosduidh, 
oir  an  aite  feuchainn  ris  an  t-soisgeul  a  thoirt 
dhaibh  gu  caomhail  ann  an  spiorad  Chriosd  an 
dochas  gu'ni  biodh  iad  air  an  ionipachadh,  b'e 
an  eaglais  a  bu  h-aon  's  a  bu  dha  'g  an  liodairt 
agus  'gan  ruagadh.  Anns  na  seann  laithean 
bha  moran  de  chreidmhich  am  beachd  gu'n 
robh  iad  a'  deanamh  seirbhis  do  Dhia  agus  a' 
dearbhadh  an  eud  air  taobh  na  firinn,  ann  a 
bhi  toirt  fasgadh  air  na  h-Iudhaich.  Chan'eil 
e  idir  iongantach,  mata,  gu'm  biodh  fuath  is 
gamhlas  aig  cinneach  cho  sean  agus  cho 
uaibhreach  ri  sliochd  Abrahaim  do  dhaoine  a 
rinn  uiread  beubanachd  orra  'sa  rinn  na 
Criosduidhean.  Ach  tha  ciiisean  air  atharr- 
achadh  a  nis,  agus  tha  an  eaglais  Chriosduidh 
ag  altrum  spiorad  as  fhearr  do  thaobh  nan 
ludhach,  ged  theid  iomadh  bhadhna  seachad 
ma'n  dichuimhnich  iadsan  an  lamhachas-laidir 
a  rinneadh  orra  anns  na  Hnntean  a  dh'  fhalbh. 

Ged  bha  suilean  nan  ludhach  air  an  dalladh 
air  chor  agus  nach  do  ghabh  iad  ris  a'  Mhessiah 
aig  am  a  theachd,  cha  bu  choir  do'n  eaglais 
Chriosduidh  an  t-seirbhis  mhor  a  rinn  an  sluagh 
so  do  Dhia  a  dhichuimhneachadh.  Is  ann  uapa 
a  fhuair  an  saoghal  an  dileab  as  priseile  a  fhuair 
e  riamh.  Air  tiis  mheas  Dia  iad  airidh  air 
eolas  na  firinn  a  thoirt  dhaibh,  agus  fad  iomadh 
linn  ghleidh  iad  an  fhirinn  gu  ciiramach,  is  cha 
reiceadh  iad  i  air  son  gloir  ho  greadhnachas  an 
t-saoghail. 

Chiim  iad  lochran  a'  chreidimh  beo  an  uair 
a  bha  rioghachdan  eile  ann  an  tiugh-dhorchadas. 
Bha  iad  eudmhor  air  taobh  Dhe,  agus  mar 
thoradh  an  dilseachd,  rinn  an  Tighearna  coimh- 
cheangal  siorruidh  riu  ;  agus  ged  chaidh  iadsan 
air  seacharan  ann  an  laithean  an  aineolais,  agus 
ged  bhris  iad  an  coimhcheangal  sin,  cha  do 
thilg  Dia  air  falbh  iad  gu  buileach  oir  tha 
tiodhlacan  is  gairm  Dhe  gun  aithreachas. 

Chan'eil  eaglais  na  h-Alba  a'  deanamh  a 
dleasdanais  ris  na  h-Iudhaich,  agus  chan'eil 
an  oidhirp  a  tha  i  a'  deanamh  chum  an  cosnadh 
do  Chriosd  ach  suarrach.  Tha  buill  na  h- 
eaglais  moran  na's  fialaidhe  ann  a  bhi  cuideach- 
adh  craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  am  measg 
dhaoine  dubha  na  tha  iad  ami  a  bhi  'g  a  thoirt 
do  na  h-Iudhaich,  agus  is  e  an  t-aobhar,  gu 
bheil  an  seann  ghamhlas  eadar  ludhaich  is 
Criosduidhean  beo  fhathast.  Chuala  sinn 
iomradh  airministear  a  labhair  r'achoimhthional 
mar  so  air  an  t-Sabaid  air  an  robh  an  tabhart- 
asan  air  iarraidh  air  son  nan  ludhach, — "  Tha 
e  air  iarraidh  oirnn  an  diugh  tabhartas  a  thoirt 
do  na  h-Iudhaich,  ach  air  m'  fhacal,  cha  toigk 
learn  i(uL  Chan  'eil  annta  ach  droch  dhaoine,  ach 
deanadh  sibhse  'ur  roghainn." 

Chan  'eil  an  doigh-bruidhne  sin  ceart,  agus 


cha  mho  is  e  sin  an  spiorad  anns  am  bu  choir 
do  bhuill  na  h-eaglais  a  bhi  sealltuinn  air  na 
daoine  o'n  d'  fhuair  sinn  an  dileab  spioradail 
a  tha  sinn  a'  sealbhachadh.  Bu  choir  do 
Chriosduidhean  baigh  is  cairdeas  a  nochdadh  do 
na  h-Iudhaich  air  sgath  an  aithrichean  ;  air 
sgath  nam  faidhean  agus  nan  salmadairean, 
agus  nan  abstol,  a  dh'  araich  iad  agus  a  thug 
dhuinne  eolas  Dhe  ;  agus  gu  sonruichte,  air  a 
sgath-san  a  thainig  o  fhreumh  lesse,  ludhach 
a  reir  na  feola. 

Ged  thuit  doille  spioradail  air  na  h-Iudhaich 
car  greis,  chan  'eil  iad  idir  'nan  sluagh  ain-diadh- 
aidh.  Ged  nach  do  ghabh  iad  ri  Criosd  mar 
am  Messiah  ris  an  robh  fiuthair  aca,  tha  tart 
'nan  anam  an  geall  air  Dia.  Chan  'eil  iad  a' 
deanamh  aoraidh  do  iodhalan,  agus  faodar  a 
radh  le  firinn  nach  'eil  iad  fad  o  rioghachd  Dhe. 
Tha  buadhan  inntinn  is  cridhe  aca  a  bhiodh 
tarbhach  anns  an  eaglais  Chriosduidh,  agus 
a  bheireadh  beatha  iir  dhi,  na'm  biodh  iad  air 
an  tionndadh  o  lagh  Mhaois  gu  creideamh 
anns  an  t-Slanuighear. 

'Nuair  asheallas  sinn  air  ais  air  an  eachdraidh, 
agus  a  chi  sinn  iad  uair  is  uair  an  impis  a  bhi  air 
an  sgrios  as  an  t-saoghal,  ach  fhathast  ag  ath- 
nuadhachadh  an  oige,  agus  a'  fas  na's  lion- 
mhoire  ;  'nuair  a  chi  sinn  gu  bheil  iad  a'  gleidh- 
eadh  am  fala  gun  truailleadh,  agus  an  gne  's  an 
coltas  's  an  cleachdaidhean  gun  atharrachadh, 
ged  tha  iad  air  an  sgapadh  am  measg  chinneach 
eile,  gun  dachaidh,  gun  diithaich,  tha  aobhar 
againn  a  bhi  creidsinn  gu  bheil  freasdal  Dhe 
air  a  chtil  sin  uile  agus  gu  bheil  obair  mhor  aig 
na  h-Iudhaich  ri  choimhlionadh  fhathast  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail. 

Thug  iad  cheana  faidhean  is  abstoil  is 
Slanuighear  do'n  t-saoghal,  agus  faodaidh  e 
bhith  gur  ann  air  an  t-sluagh  a  thagh  e  o  shean 
a  chuireas  Dia  an  t-urram  anns  na  laithean 
deireannach,  an  saoghal  uile  a  chosnadh  da 
Mhac.  Cha  tig  an  la  sin  gus  am  bi  iad  fein  air 
an  iompachadh  an  toiseach. 

Sineadh,  mata,  eaglais  Chriosd  a  lamhan  a 
mach  a  dh'  ionnsuidh  nan  ludhach  agus  deanadh 
i  eadar-ghuidhe  dhiirachdach  ri  Dia  as  an  leth  ; 
oir  ma's  e  an  tilgeadh-san  air  falbh  reiteachadh 
an  domhain,  ciod  e  an  ath-ghabhail  ach  beatha 
o  na  marbhaibh  .'' 

Cha  do  thilg  Dia  uaith  gu  brath  am  pobull 
a  roimh-aithnich  e,  oir  tha  an  gealladh  a  thug 
e  dhaibh  seasmhach — "  Ni  mise  coimhcheangal 
sithe  riu  ;  bidh  e  'na  choimhcheangal  siorruidh, 
agus  ni  mi  lionmhor  iad,  agus  cuiridh  mi  mo 
naomh-ionad  'nam  meadhon  gu  brath.  Bidh 
mo  phailliun  mar  an  ceudna  maille  riu  ;  seadh, 
bidh  mise  dhaibhsan  a'm  Dhia,  agus  bidh  iadsan 
dhomhsa  'nan  sluagh.  Agus  aithnichidh  na 
cinnich  gur  mise  lehobhah  a  naomhaicheas 
Israel,  an  uair  a  bhios  mo  naomh-ionad  'nam 
meadhon  gu  sioi'ruidh." 


Air 


II 


93  I 


Curachd  Anmoch 


Chaidh  fear-cur  a  mach  a  chur  a  shil. — Lucas. 

Chaidh  am  foghar  seachad. 

Tha  an  samhradh  criochnaichte. — Ieremiaii. 

Anns  a'  mhaduinn  cuir  do  shiol 
■    Anns   an  fheasgar    na    toir    air  do   lamh  sgur. — 

ECCI.ESIASTES. 

Tha   an   oidhche   a'   teachd,    'nuair   nach    urrainn 
duine  obair  a  dheanamh. — Eoin. 

Saothair,  seol,  no  obair  ghlic 

Cha  deanar  leat  gu  brath  fo'n  lie. — Laoidh. 

'San  uaigh  do'm  bheil  sinn  uile  a'  triall 
Maitheanas  chanfhaigh,  's  cha  d'fhuaradh  riamh. — 

Laoidh. 

Chan    'eil    an    aithreachas    criche    ach    mar    gu'n 
cuireadh     tu     siol    mu'n    Fheill  -  Mhartainn. — 

Sean-Fhacal. 

THA  boinne  de'nfhirinn  anns  an  t-sean-fhacal 
so  gun  teaganih  ;  crioman  de'n  fhirinn  nach 
biodh  e  glic  dhuinn  a  leigeil  as  ar  n-aire,  ach 
chan  'eil  an  fhirinn  uile  ann,  agus  air  eagal 
gu'in  faod  e  a  dhochas  no  mhisneach  a  thoirt  o 
neach  air  bith  a  leughas  an  duilleag  so,  bu 
mhaith  leani  innseadh  dhuibh  gu'm  faca  mise 
an  diugh  fhein,  ann  am  nieadhon  October, 
tuathanach  air  an  taobh  so  de  Pheairt  a'  cur 
siol  cruithneachd.  Ach  ged  tha  e  annioch  anns 
a'  bhliadhna  fasaidh  an  siol  sin  ;  air  tiis  am 
fochann,  agus  a  ris  an  dias,  agus  'n  a  dheidh 
sin  an  Ian  arbhar  anns  an  deis,  agus  anns  an 
ath  fhoghar,  ma  bhios  esan  is  mise  air  ar 
caomhnadh,  theagamh  gu'm  faic  mi  an  duine 
ud  a  bha  an  diugh  ag  iomchar  sil  ag  iomchar 
sguaba  troma. 

Ach  air  a  shon  sin,  is  e  an  t-eai-rach  f  ior  am  na 
curachd,  an  uair  a  tha  feartan  na  greine  agus 
blaths  na  talmhainn  agus  sineadh  an  la  a'  toirt 
cothrom  do'n  t-siol  a  thoradh  ceart  a  thoirt  a 
mach.  Tha  so  fior  gu  sonraichte  a  thaobh  na 
beatha  dhiadhaidh,  agus  a  thaobh  nan  subhail- 
cean  moralta  sin  a  dh'  fheumas  daoine  ionn- 
sachadh,  ma  tha  iad  gu  bhi  'n  an  luchd- 
leanmhuinn  dileas  aig  Criosd.  Is  e  an  t- 
ionnsachadh  bg  a  ni  an  t-ionnsachadh  maith. 
Gabhaidh  am  faillean  og  lubadh  an  uair  nach 
lubar  a'  chraobh. 

M'  an  salaich  lochd  air  bith  do  chridh' 
Grad  sgriobh  air  lagh  do  Uhia. 

Ach  chan  ann  ris  an  oige  a  bu  mhaith  leam 
labhairt  an  trath-sa  ach  ris  an  aois  ;  riusan  a 
rainig  November  an  laithean  agus  nach  do 
ghabh  f  hathast  ri  tairgse  is  gairm  an  t-soisgeil. 
Ged  tha  am  foghar  thairis  agus  an  samhradh 
criochnaichte  chan   'eil  la  nan  gras  thairis  is 


chan  eil  trocair  an  Tighearna  ci-iochnaichte , 
"  Oir  dealaichidh  na  sleibhtean  o'm  bunaitean 
agus  atharraichear  na  beanntan  as  an  aite  ach 
cha  dealaich  mo  choibhneas  riut-sa,  's  chan 
atharraichear  coimh-cheangal  mo  shith,  deir 
an  Tighearna."  Na  h-abradh  duine  air  bith, 
ma  ta,  Tha  am  mo  churachd-sa  seachad  is 
chan  'eil  ann  dhomh  a  nis  ach  a  bhi  buain  an  ni 
a  chuir  mi  ;  tha  m'  anam  cho  cruaidh  's  cho 
rag  ri  feithean  is  uilt  mo  chuirp,  agus  chan 
urrainn  mi  aithreachas  no  atharrachadh  a 
dheanamh.  Na  h-abair  sin,  a  charaid,  oir  cha 
dubhairt  Dia  e.  Is  e  a  tha  Dia  ag  radh,  "  Mar 
is  beo  mi  chan  'eil  thachd  agam  ann  am  bas  an . 
aingidh  ;  pillibh,  pillibh,  car  son  a  bhasaicheas 
sibh,  O  thigh  Israeil." 

Sin  agaibh  facal  an  Tighearna,  agus  nach  bu 
choir  dhuinne  gabhail  ris  an  fhacal  sin,  agus 
coinneachadh  ris  leis  an  iirnuigh  so,  "  Leighis 
mi,  O  Thighearna,  agus  bithidh  mi  air  mo 
leiffheas  ;  slanuich  mi  ae'us  bithidh  mi  air  mo 
shlanuchadh." 

Theab  am  faidh  leremiah  a  dhochas  a  chall 
mu  shluagh  ludaih,  an  uair  a  chunnaic  e  iad  a' 
brosnuchadh  Dia  an  aithrichean  le  ceannairc  is 
aingidheachd,  ach  thainig  facal  o'n  Tighearna 
'g  a  ionnsuidh,  ag  radh,  "  Eirich  agus.imich  sios 
gu  tigh  a'  chriadhadair. "  Bha  cridhe  leremiah 
goirt,  agus  e  an  diiil  nach  gabhadh  dad  deanamh 
air  son  dhaoine  a  rinn  dearmad  air  Dia,  agus 
aig  nach  robh  Dia  ann  an  aon  idir  d'an  smuain- 
tean,  ach  an  uair  a  sheas  e  a'  sealltuinn  air  a' 
chriadhadair  chunnaic  e  rud  iongantach  ;  rud  a 
chuir  gu  smuaineachadh  as  iir  e,  agus  a  nochd 
dha  gliocas  agus  maitheas  an  Tighearna.  An 
uair  a  bha  an  soitheach  air  a  mhilleadh  ann  an 
lamh  a'  chriadhadair,  cha  do  thilg  e  air  falbh  e, 
ach  rinn  e  soitheach  eile  dheth. 

Chan  'eil  e  an  t-aon  ni  do  dhuine  co  dhiu  a 
ghabhas  e  ri  tairgse  an  t-soisgeil  'n  a  oige  no 
nach  gabh  e  rithe  gu  sheann  aois,  ach  ged  nach 
h-urrainn  Dia  fein  soitheach  briste  a  dheanamh 
mar  nach  robh  e  briste  riamh,  cuiridh  e  gu 
feum  air  chor-eigin  'na  thigh  e,  agus  cha  tilg  e 
e  air  falbh. 

Anns  a'  mhaduinn  cuir  do  shiol  ;  sin  an  f  hior 
ghliocas  ;  tha  beannachd  an  Tighearna  gu 
sonraichte  air  daoine  oga  a  tha  'g  a  iarraidh,  is 
tha  an  gealladh  cinnteach  so  aca,  "  iadsan  a 
dh'  iarras  mi  gu  moch  gheibh  iad  mi,"  ach  mur 
robh  thu  glic  agus  mur  do  rinn  thu  sin,  anns  an 
fheasgar  na  toir  air  do  lamh  sgur.  Na  h-abair 
gu  bheil  am  feasgar  ro  anmoch,  oir  chan  'eil 


2 


CURACHD  ANMOCH— MAIGHSTIR-SGOILE  GAIDHLIG 


am  no  uair  air  bith  ro  anmoch  niur  dubhairt  Dia 
gu  bheil  e  ro  anmoch.  Cha  dubhairt  agus  chan 
abair  Dia  sin.  Is  e  a  tha  Dia  ag  radh,  agus  tha 
e  'ga  radh  ann  am  mile  doigh,  "  chan  'eil  mo 
lamh  air  dol  an  giorrad  air  chor  agus  nach  f  haod 


i  tearnadh  ;    cha  mho  a  tha  mo  chluas  air  fas 
mall,  air  chor  agus  nach  fhaod  i  cluinntinn." 

Is  sona  an  neach  a  dh'  iarras  an  Tighearna 
uair  no  am  air  bith,  ach  is  seachd  sona  an  neach 
a  dh'  iarras  e  ann  an  tiis  a  laithean. 


Maighstir-Sgoile  Gaidhlig 


CHAIDH  Comunn  nan  sgoilean  GaidhKg  a 
chur  air  chois  le  ministearan  agus  daoine 
crabhach  eile  an  Eaglais  na  h-Alba  anns  a' 
bhhadhna  1810.  B'e  crioch  nan  sgoilean  so 
comas  a  thoirt  do  Ghaidheil  am  Biobull  a 
leughadh  'nan  cainnt  fein. 

Ann  an  taghadh  luchd-teagaisg,  rimaich 
an  Comunn  gu'm  biodh  iad  cho  fad  's  a  bha 
sin  comasach  'nan  daoine  bg  agus  faireachail  ; 
chiiteach  'nan  caithe-beatha  agus  comasach 
air  Facal  Dhe  a  shearmonachadh  agus  an 
sluagh  a  cheasnachadh. 

Am  measg  a'  cheud  fheadhainn  a  roghnaich- 
eadh  airson  na  dreuchd  bha  Tomas  Nobul 
a  rugadh  's  a  thogadh  's  a'  Bhog-ruadh,  an 
Aird  mhic  Shimidh,  agus  a  mholadh  do'n 
Chomunn  air  teisteas  a'  mhinistir  fo  eisdeachd 
an  d'fhuair  e  solus  na  slainte,  an  t-Urramach 
Alasdair   Friseal. 

B'e  a'cheud  aite  'san  do  shuidhicheadh  e, 
eilean  Phabaidh  air  taobh  an  lar  Caolas  na 
h-Earadh.  Bha  aireamh  mhaith  de  thuath  am 
Pabaidh  aig  an  am  sin.  Cha  robh  leabhar  's  an 
eilean  ach  a  h-aon,  Biobull  Beurla,  agus  cha 
robh  aon  de'n  luchd-aiteachaidh  a  leughadh 
Gaidhlig  no  Beurla.  Tha  Pabaidh  fada  mach 
's  a'  chuan  a  Siar.  Bhuineadh  e  do  sgire 
Uidhist  a  Tuath  aig  an  am  ud,  is  b'e  an 
t-Urramach  Tormod  MacLeoid  bu  mhinistir. 
B'abhaist  do  Mhaighstir  Tormod  dol  do'n 
eilean  uair  's  an  raidhe  a  choimhlionadh 
dleasdanais  a  dhreuchd.  Mar  sin  thuit  air 
a'  mhaighstir  -  sgoile  coinneamh  a  chumail 
gach  Sabaid  eile,  agus  a  bharr  air  sin  coin- 
neamh-urnuigh  gach  seachduin,  cho  maith  ri 
ceasnachadh  an  trath-sa  agus  a  rithisd. 

Air  tiis  cha  robh  neach  'san  eilean  a  bheireadh 
comhnadh  dha  aig  a'  choinneamh  -  tirnuigh. 
Uair  a  dh'  fheoraich  am  fear-teagaisg  an 
robh  duine  a  lathair  a  rachadh  an  ceann 
iirnuigh  fhreagair  cuideigin  gu'n  robh  Alasdair 
Mor  ann.  "  Alasdair,  am  bi  sibh  cho  maith 
's  gu'n  teid  sibh  an  ceann  na  h-iirnuigh," 
thubhairt  Mghr  Nobul.  "  Cha  teid,  a  bhobug, 
rach  fhein  ann,  is  tu  tha  air  do  phaigheadh 
air  a  shon,"  fhreagair  Alasdair. 

Aig  a'  cheud  cheasnachadh  a  chiim  e, 
air  dha  ceisd  a  chur  air  bean  araidh,  is  ann  a 
fhreagair  i  gu  frionasach,  "  Cha  shagart  thusa 
's  cha  Phapanach  mise  gu'n  rachadh  tu  'ga 
m'  fhaoisid." 

An  ceann  sh^  bliadhna  chaidh  Mghr  Nobul 


atharrachadh  gu  eilean  Bhoraraidh  an  Uidh- 
ist a  Tuath.  Ged  nach  robh  e  fad  anti 
Pabaidh  dh'  fhag  e  deagh  thoradh  air  a 
shaothair  as  a  dheidh.  Cha  robh  aon  de'n' 
oigridh  aig  aois  sgoile  (agus  cuid  de  mhnathan 
agus  de  fhir  mar  an  ceudna)  nach  leughadh 
am  Biobull.  Thainig  na  h-uiread  fo  bhuaidh  an 
t-soisgeil  gu  Criosd  aideachadh,  agus,  ni 
comharraichte,  sguir  smuglaigeadh,  no  tarruing 
neo-dhligheach  uisge-beatha,  a  bha  an  t- 
eilean  gu  leir  an  sas  ann,  m'an  d'fhag  Mghr 
Nobul. 

Goirid  an  deidh  dha  bhi  air  a  shuidheachadh 
am  Pabaidh  phos  Mghr  Nobul  te  a  mhuinntir 
an  eilein,  Catriona  Nic  Leoid,  de  shliochd 
Leodaich  Bhearnaraidh.  Dh'  f  han  Mghr  Nobul 
am  Boraraidh  mu'n  iiine  cheudna  's  a  bha  e 
am  Pabaidh.  As  a  sin  thainig  e  do  sgire 
Dhiiirinnis  'san  eilean  Sgitheanach.  Faodaidh 
mi  innseadh  'san  dol  seachad  cionnus  a  bha  e 
a'  fantuinn  an  ionad  air  bith  cho  gearr. 
Direach  so,  gu  robh  an  luchd-teagaisg  tearc, 
agus  na  cearnan  'san  robh  feum  orra  lion- 
.  mhor,  agus  mar  so  dh'  oidhirpich  an  Comunn 
air  an  aon  chothrom  a  thoirt  do  gach  aite  air 
fad. 

B'e  a'  cheud  bhaile  an  Diurinnis  'san 
do  shuidhicheadh  Mghr  Nobul,  Husabost, 
air  oirthir  dheas  Loch  Dhun-bheagain.  Bha 
ciil-taice  mhaith  aige  'san  uachdaran,  Mghr 
Calum  MacNeacail ;  duine  crabhach  a  rinn 
a  thigh-mdr  'na  ionad-cruinneachaidh  airson 
seirbhisean  Sabaid  is  seachduin.  B'e  a  mhac 
an  Siorram  MacNeacail,  sgoilear  Gaidhlig 
agus  bard  barraichte. 

B'e  an  ath  aite-sgoile,  Fearann-mhic-Uaire 
an  Gleanfi-dail.  Thug  so  cothrom  do  chlann 
a'  ghlinne,  a  bha  gle  lionmhor,  air  leughadh 
Gaidhlig  fhoghlum.  A  sin,  chaidh  e  air  ais 
gu  oir  Loch  Dhun-bheagain  do  bhaile  d'an 
ainm  Cailbost.  Bho  sin  air  ais  a  rithisd  gu 
Gleann-dail  's  a'  chuid  a  b'  fhaide  air  falbh 
de  Mhialabhaig.  Bha  e  an  sin  gus  an  d'eug 
e  aig  aois  tri  fichead  bliadhna  'sa  deich. 

Bha  e  a'  chuid  mhor  de  'n  iiine  a  thuinnich 
e  an  Diiirinnis  'na  fhoirbheach  fo'n  Urramach 
Alasdair  MacColla.  B'e  aon  de  cho-fhoirbhich 
Eachann  Macllleathain,  duine  crabhach  agus 
tuigseach  agus  gle  airmseach,  Eachann  Hamara 
mar  theirteadh.  Gheibhteadh  am  measg  sgoil- 
earan  Mghr.  Nobul  cuid  a  thainig  gu  lathai- 
chean.      Diubh     so     bha     creutair     curamach 


MAIGHSTIR-SGOILE  GAIDHLIG— ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


nach  robh  gu  h-uile  ann,  Caii'stiona  Nic  Raillt. 
Air  la  araidh  bha  an  leughadh  ann  an  leabhar 
losua  agus  ann  an  caibidil  amis  an  robh  moran 
ainmean  bhailtean  a  chiosnaich  an  gaisgeach 
mor,  losua.  Agus  b'e  aon  diubh,  Cephar  ha- 
mo-nai.  B'e  tapa  Cairistiona  am  focal  so  a 
leughadh.  Sileab  mu  seach,  chaidh  i  troimhe, 
"'Se  direach,"  ars'  ise,  Ciamar  tha  do  mhathair  ! 


Bha  buaidh  is  piseach  mhodhannail  is  spiorad- 
ail  an  lorg  saothair  an  duine  mhaith  so. 
Is  e  an  La  Mor  a  mhain  a  Ian  fhoillsicheas 
sin,  ged  tha  an  toradh  ri  fhaicinn  gus  an  la 
'n  diugh  ann  an  gluasad  an  t-sluaigh  a  bha 
e  'n  am  measg,  agus  an  tomhas  diubh  's  a 
leughas  an  cainnt  mhathaireil. 

A.  MacPhXrlain. 


Anns  a'  Chathair 


ANN  an  leabhar  a  bha  air  a  chur  a  mach  fo'n 
.  ainm  Metellus  leis  an  Urramach  Seumas 
Ballingal,  D.D.,  nach  maireann  tha  iomradh  air 
a  dheanamh  air  Demas,  aon  de  chompanaich 
Phoil,  agus  tha  iomadh  rud  air  innseadh  uime 
nach  fhaighear  anns  an  Tiomnadh  Nuadh.  Ma 
dh'  fheoraicheas  tusa,  a  leughadair,  c'  aite  an 
d'  fhuair  Seumas  Ballingal  na  naigheachdan  a 
sgriobh  e  anns  an  leabhar  ud  mu  na  ceud 
Chriosduidhean  chan  urrainn  mise  a  radh  riut 
ach  gu'n  d'  fhuair  e  iad  far  an  d'  fhuair  Sir 
Walter  Scott  na  naigheachdan  a  sgriobh  e 
fein  ;  (1)  obheul  aithris,  (2)  omhac-meamna  na 
h-inntinn  aige  fein,  (3)  o'n  eolas  a  bhaaige  air 
cridhe  mhic  an  duine. 

Bha  an  t-Urramach  Seumas  Ballingal  'na 
dheagh  sgoilear  ;  bha  eolas  mionaideach  aige 
air  an  Tiomnadh  Nuadh  agus  air  eachdraidh 
nan  laithean  sin  ;  bha  eolas  aige  cuideachd  air 
beul-aithris  na  h-eaglais  anns  na  ceud  linntean, 
is  ghabh  e  na  cnamhan  tioram  sin  is  chuir  e 
full  agus  feoil  orra. 

Fhuair  Demas  droch  ainm  ;  cuirear  ludas 
air  thoiseach  ann  an  olcas  a  chionn  gu'n  do 
bhrath  e  Criosd,  ach  cuirear  Demas  anns  an 
dara  sreath  a  chionn  gu'n  do  threig  e  Pol, 

Bha  la  ann  anns  an  robh  e  air  a  chunntas  am 
measg  nan  companach  a  bu  ghealltanaiche  a 
bha  aig  Pol  ;  bha  diiil  aig  Pol  gu'n  deanadh  e 
seirbhis  anns  an  eaglais  a  cheart  cho  mhaith  ri 
Timoteus,  no  ri  Lucas,  no  ri  Silas  ;  ach  ged  a 
bheannaicheas  an  saoghal  uile  ainm  Lucais  is 
ainm  Thimoteuis  an  diugh,  cha  bheannaich 
duine  idir  Demas  a  chionn  nach  bu  shaighdear 
cruadalach  no  dileas  e.  Thug  e  gaol  do  nithean 
a  chuir  air  seachran  e  o  Dhia. 

Bha  e  comhla  ri  Pol  anns  an  Roimh,  an  uair 
a  bha  Pol  anns  a'  phriosan,  agus  a  thaobh  's  gu 
robh  e  'n  a  fhasan  aig  Pol  a  bhi  sgriobhadh  a 
litrichean  le  lamhan  is  pinn  dhaoine  eile,  an 
aite  a  bhi  'g  an  cur  'na  lamh-sgriobhaidh  fein, 
faodaidh  e  bhith  gur  e  Demas  a  sgriobh  cuid 
de  na  litrichean  a  tha  againn  o  Phol  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh.  Smuain  eagallach,  gu'm  faod 
duine  nithe  naomha  a  laimhseachadh,  agus  a  bhi 
air  a  cheann  mu  dheireadh  air  a  chall  e  fein  ! 

A  reir  choslais  bha  Demas  'na  dhuine  aotrum 
aighearach  gu  nadurra  ;  bha  e  gaolach  air  ceol, 
is  gaolach  air  a  bhi  dol  do'n  tigh-chluiche  agus 
do  aitean  eile  far  an  cluinneadh  e  ceol.     Bha 


na  ceud  Chriosduidhean  an  aghaidh  aighear 
saoghalta  de'n  t-seorsa  sin,  agus  'nuair  a  fhuair 
Aristarchus  a  mach  gu  robh  Demas  a'  dol  do 
thighean-ciuil  gu  falachaidh  thug  e  aghaidh 
air,  agus  mu  dheireadh  dh'  innis  e  m'a  dhol-a- 
mach  do  Phol.  Ma  bhruidhinn  Pol  ri  Demas 
air  a'  chiiis  bhruidhinn  e  gu  diomhaineach,  oir 
bha  gaol  a'  chiiiil  is  aighear  na  beatha  so  ann 
an  smior  nan  cnamh  aig  Demas,  agus  cha 
b 'urrainn  e  an  toirt  suas  ;  an  aite  na  tighean- 
ciiiil  a  sheachnadh  sheachuin  e  comunn  nam 
braithrean  is  ghearr  e  e  fein  air  falbh  bho  na 
Criosduidhean  uile  gu  leir.  An  deidh  laimhe, 
an  uair  a  bha  Pol  a  sgriobhadh  gu  Timoteus 
agus  a'  toirt  dha  naigheachd  nam  braithrean  a 
b'aithne  dhaibh  le  cheile,  thubhairt  e  mu'n 
duine  so,  Threig  Demas  mi,  air  dha  an  saoghal  a 
tha  lathair  a  ghradhachadh. 

Theagamh  gu  bheil  co-fhaireachduin  agad- 
sa,  a  leughadair,  ri  Demas,  agus  gu'n  abair  thu 
nach  robh  coir  air  bith  aig  Pol  no  aig  Aristarchus 
a  bhi  cho  teann  air,  agus  nach  robh  e  ceart  no 
glic  do  na  ceud  Chriosduidhean  a  bhi  cho  cumh- 
ann  's  a  bha  iad  a  thaobh  ciiiil  is  tighean-ciiiil. 
Tha  co-fhaireachduin  agam-sa  mi  fein  ri  Demas, 
ma's  e  gaol  a  chiiiil  a  chuir  eadar  e  agus  na 
braithrean,  ach  air  a  shon  sin  cha  bu  mhaith 
leam  duine  a  mholadh  no  bheannachadh  a  bha 
air  a  dhiteadh  le  Pol.  Dh'  fhaodadh  Demas  na 
tighean-ciiiil  a  sheachnadh  ged  b'ann  a  mhain 
air  sgath  Phoil,  oir  thug  Pol  fhein  suas  barrachd 
is  sin  air  sgath  Chriosd,  agus  air  sgath  na 
h-eaglais,  agus  air  sgath  a  bhraithrean.  Agus 
Neach  a  bu  mho  na  Pol,  cha  do  thoilich  esan  e 
fein,  ach  thug  e  suas  a  choraichean  agus  inbhe 
agus  a  bheatha  air  sgath  a  bhraithrean. 

A  bheil  e  cearr  do  luchd-comanachaidh  dol  gu 
balfar  a  bheil  aighear  is  dannsadh  ? 

Am  feum  daoine  sblasan  agus  dibhearsoin  an  t- 
saoghail  a  thoirt  suas  aon  uair  's  gun  tbisick  iad 
air  aideachadh  ? 

Am  faod  Criosduidhean  cairtean  a  chluich,  no 
dol  do  thighean-ciiiil  is  cluiche,  no  bran  a  sheinn  aig 
Mbd  no  banais  ? 

Mur  bheil  e  ceart  dhaibh  bran  a  sheinn  aig  banais, 
am  faod  iad  crbnanaich  bheag  dhaibh  fein  a 
dheanamh  air  Bein?i-D  brain  an  uaigneas  ? 

Ma  dh'  fhaodas  bean  a'  mhinisteir  piano  a 
chluich  car  son  nach  fhaod  am  ministear  an 
fhidheall  a  chluich,  no  foirbhich  a'  phiob-mhor  9 


ANNS  A'  CHATHAIR— LAOIDH  CREIDIMH 


Ma  tha  e  mar  fhiachaibh  air  luckd-aideachaidk 
sblasan  na  cluaise  agus  na  coise  (cebl  is  danjisadh) 
a  chur  hhuapa  a  bheil  e  mar  fhiachaibh  orra 
cuideachd  sblasaji  a  ghoile  a  chur  bhuapa,  tombaca 
agus  uisge-beatha  agus  milsean  is  dibheanna7i  eile, 
eadhon  am  measarrachd  ? 

Agus  mur  bheil  car  S07i  nach'eil  ? 

Sin  agad,  a  leughadair,  ceistean  a  bha  air  an 
togail  cho  trath  ri  laithean  Phoil,  agus  a  tha 
air  an  togail  an  diugh  fhathast.  Ach  is  ceistean 
iad  nach  urrainnear  a  fhreagairt  ann  an  aon 
f  hacal,  no  ma  f  hreagras  ministear  no  sagart  no 
foirbheach  iad  ann  an  aon  fhacal,  tha  an 
fhreagairt  cearr.  An  uair  a  dh'  f heoraichear  am 
faod  luchd-aideachaidh  sid  no  so  a  dheanamh, 
cairtean  a  chluich  no  dol  gu  bal  no  coinneamh- 
chiuil,  chan  urrainn  duine  air  bith  a  radh  le 
iighdarras,  Faodaidh  no  Chanfhaod.  Feumaidh 
a  h-uile  duine  a  choguis  fein  a  rannsachadh  agus 
a  leantiunn  is  chan  'eil  gnothuch  aig  neach  air 
bith  riaghailtean  a  dheanamh  do  dhaoine  eile, 
no  cuing  a  chur  air  an  amhaichean.  Gun  a 
shaorsa  cha  dean  duine  gu  brath  adhartas  anns 
an  diadhaidheachd,  no  ann  an  eolas  spioradail. 
Thoir  bhuaith  a  shaorsa,  no  cuir  cuing  air 
amhaich  nach  do  chuir  a  choguis  fhein  oirre,  is 
cha  bhi  ann  ach  Criosduidh  anabuich  gu  brath. 

Cha  do  thoirmisg  Criosd  riamh  do  dhaoine 
tlachd  a  ghabhail  ann  an  solasan  neo-chiontach 
an  t-saoghail,  is  cha  bhiodh  ann  ach  amaideas 
agus  ladarnas  do'n  eaglais  feuchainn  ri  cuing 
a  chur  air  daoine  oga  nach  'eil  reusonta  agus 
nach  urrainn  iad  a  ghiiilan,  ach  aig  a'  cheart 
am  feumaidh  na  daoine  oga  iad  fein  a  bhi  glic 
agus    reusonta    cuideachd ;     feumaidh    iad    a 


chuimhneachadh  gu'm  faod  solasan  agus  meall- 
taireachd  an  t-saoghail  siol  na  Rioghachd  a 
thachdadh  'n  an  cridhe. 

Tha  iomadh  ni  laghail  nach  'eil  iomchuidh  no 
freagarrach  ;  ged  a  dh'  fhaodas  e  bhi  laghail  do 
Chriosduidhean  cuid  is  pairt  a  ghabhail  anns 
gach  uile  aighear  is  toil-inntinn  shaoghalta  anns 
am  bi  muinntir  an  t-saoghail  fhein  a  gabhail 
pairt,  ma  tha  iad  glan  is  neo-chiontach,  cha 
bhiodh  e  idir  iomchuidh  gu'm  biodh  daoine  a 
bhlais  deagh  thiodhlac  Dhe  agus  a  thainig  aon 
uair  fo  bhuaidh  an  t-saoghail  neo-fhaicsinneach 
air  am  faicinn  na's  trice  ann  an  tigh-nan-dealbh 
na  ann  an  tigh  na  h-iirnuigh.  Cha  bhiodh  sin 
'n  a  chomharra  maith,  oir  leanaidh  casan  duine 
a  chridhe. 

An  uair  a  ruigeas  tu  an  smior-cailleach  aca  chan 
'eil  ach  da  sheorsa  dhaoine  anns  an  t-saoghal 
uile  gu  leir  ;  (1)  an  seorsa  a  tha  ag  iarraidh 
smachd  a  bhi  air  a  chumail  air  a'  chinne-daonna 
le  iighdarras  Papa,  ciod  air  bith  am  Papa  a  tha 
aca,  agus  (2)  an  seorsa  a  tha  ag  iarraidh  saorsa 
gus  an  solus  agus  an  coguis  fhein  a  leantuinn. 

Anns  a'  Bhiobull  cluinnear  da  ghuth  air  a' 
cheist  so,  no  co  dhiu  air  ceist  coltach  rithe  ;  aon 
ghuth  ag  radh,  Thigibh  a  mach  as  am  meadhon 
agus  bithibh  dealaichte,  agus  guth  eile  ag  radh, 
Chan  'eil  mi  a'  guidhe  gun  tugadh  tu  as  an 
t-saoghal  iad,  ach  gun  gleidheadh  tu  on  olc  iad. 
Tha  an  da  ghuth  sin  anns  a'  Bhiobull,  chan  ann 
a  chionn  gu  bheil  aon  phairt  de'n  Bhiobull  a' 
dol  an  aghaidh  pairt  eile,  ach  a  chionn  gu  bheil 
am  Biobull  cho  farsuing  ris  a'  chinne-daonna. 
Chan  e  guth  aon  duine  a  chluinnear  anns  a' 
Bhiobull  ach  guth  a'  chinne-daonna. 


Laoidh  Creidimh 

Seallaibh  rium-sa,  agus  bithibh  air  bhur  tearnadh,  tiile  iomalla  ?ia  talmht 


LE  creideamh  seallaidh  mi 
Riut  fein,  Uan  Chalbhari, 
Mo  Shlanuighear  caomh  ; 
Nis  eisd  ri  m'  iirnuigh  bhochd, 
Glan  uam  mo  chiont  's  mo  lochd  ; 
O  bitheam  beo  dhuit  fein 
'Na  dheidh  so  chaoidh. 

O  biodh  do  ghras  gach  am 
Toirt  treoir  do  m'  chridhe  fann  ; 
Dean  m'eud  na's  mo  ; 
Bho  'n  bhasaich  thu  'g  am  dhion, 
O  biodh  mo  ghradh  dhuit  fior, 
Glan,  beo,  is  buan  gu  sior, 
'Na  theine  beo. 

Troimh  fhasach  dorch'  an  t-saogh'l, 
Is  teinn  tigh'nn  orm  gach  taobh, 
Dean  fein  dhomh  iiil  ; 


Tionndaidh  mo  dhorch'  gu  la, 
Siab  uam  deur  broin  is  craidh, 
Mo  cheuman  stiiiir  a  ghnath, 
Gu  tamh  dhuit  dliith. 

An  uair  thig  crioch  mo  laith, 

'S  sruth  duaichnidh  fuar  a'  bhais 

Ag  iadhadh  dluth, 

A  Shlanuigheir  chaoimh,  na  treig, 

Cuir  geilt  's  an-earbs  bhuam  fein  ; 

O  giiilain  mi  gun  bheud 

A  sheinn  do  chliii. 

Bha  an  laoidh  so  air  a  sgriobhadh  le  minis- 
tear  de  mhuinntir  America,  an  t-OUamh  Ray 
Palmer.  Cha  robh  e  ach  da  bhliadhna  air 
fhichead  'nuair  a  sgriobh  e  i,  agus  tha  e  fein 
ag  innseadh  gu'n  do  sgriobh  e  i  le  deoir  'na 


LAOIDH  CREIDIMH— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


shuilean.  Tha  an  laoidh  air  a  h-eadar-theang- 
achadh  gu  iomadh  canain.  Is  e  Mac  Eachuinn 
a  thionndaidh  i  gu  Gaidhlig.  Chuireadh  i  an 
Laidionn  ;  am  Fraingis  ;  an  Gearmailt  ;  agus 
an  cainnt  mhoran  chinneach  anns  na  h-Innsean 
an  Eax',  is  ann  an  China.  Rinn  Palmer  laoidh- 
ean  eile  ach  cha  d'  fhuaii*  gin  dhiubh  an 
t-aite  a  fhuair  i  so  ann  an  cridhe  na  h-eaglais 
Chriosduidh,      B'e    Palmer  a    thionndaidh    gu 


Beurla  an  laoidh  a  sgriobh  an  naonih  Bei'nard 
ann  an  Laidionn. 

losa  !  's  tu  aoibhneas  mor  do  shluaigh 
'S  tu  tobar  beath' ;  's  tu  solus  aigh. 

Tha  gaol  aig  daoine  air  an  laoidh  so  a  chionn 
gu  bheil  i  a'  cur  cainnt  air  iaiTtus  an  anama 
air  fasgadh  fhaotainn  ann  an  Ci-iosd,  agus  a 
chionn  gu  bheil  i  a'  toirt  m'an  coinneamh  Uan 
Dhe  a  thug  air  falbh  peacanna  an  t-saoghail. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AIG  an  am  so  de'n  bhliadhna  tha  e  'n  a  chleach- 
dadh  anns  a'  chuid  mhor  de  sgirean  duthcha 
seirbhis-bhuidheachais  a  bhi  aca  air  son  an 
fhoghair.  Tha  sin  'n  a  chleachdadh  agam-sa 
'n  am  eaglais  fhein,  is  thainig  mi  do'n  Choille 
Bheithe  an  diugh  gu  bhi  leigeil  le  m'  inntinn 
socruchadh  air  na  nithean  a  tha  mi  dol  a  radh 
ris  an  t-sluagh  gu  goirid,  agus  gu  sonraichte  ris 
na  tuathanaich.  Ciod  an  t-aite  as  freagarraiche 
do  dhuine  beachd-smuaineachadh  air  gliocas  is 
cumhachd  is  maitheas  an  Tighearna  na  Choille 
Bheithe  bhoidheach  so,  far  a  bheil  gach  ni  a  chi 
mo  shiiil  agus  gach  fuaim  a  chluinneas  mo 
chluas  a'  tarruing  m'  aire  gu  Dia. 

Ciod  e  Dia,  ann  an  diomhaireachd  a  naduir 
fein,  agus  'na  dhaimh  ri  mac  an  duine  ? — sin  an 
cuspair  as  airde  agus  as  doimhne  air  an  urrainn 
ar  n-inntinn  socruchadh. 

Co  chuartaicheas  do  bhith,  a  Dhe  ? 
An  doimhne  shluig  gach  reusan  suas  ; 
'Nan  oidhirpibh  tha  aingle  's  daoin' 
Mar  shligean  maoraich  glacadh  chuain 

Tha  e  f  ior  nach  urrainn  dhuinne  bith  is  nadur 
Dhe  a  thuigsinn  no  rannsachadh,  ach  air  a  shon 
sin  tha  e  maith  do  dhaoine  leigeil  le  'n  inntinn 
socruchadh  le  ionghnadh  air  Dia ;  air  na 
comharran  a  chithear  anns  a'  chruthachadh  air 
a  lathaireachd  agus  a  ruintean. 

Ach  ged  tha  am  Foghar  a'  cur  an  ceill  cumh- 
achd is  maitheas  Dhe  chan  ann  uime  sin  a  tha 
mise  dol  a  labhairt  ris  a'  choimhthional  a 
maireach  aig  an  t-seirbhis-bhuidheachais;  bu 
mhaith  leam  na  tuathanaich  a  bhrosnuchadh  gu 
deagh  oibrichean  le  bhi  aig  innseadh  dhaibh 
mu  thuathanach  diadhaidh  ann  an  Sasunn  d' 
an  robh  'obair  laitheil  air  an  fhearann  'n  a 
mheadhon-grais. 

Theagamh  nach  cual  a  bheag  de  na  bhios  a' 
leughadh  na  duilleig  so  iomradh  air  Uilleam 
Dannatt  riamh,  ach  mur  cuala,  is  aithne  do  na 
h-ainglean  'ainm,  is  tha  'ainm  sgriobhta  ann  an 
leabhar  na  beatha  air  neamh. 

Mar  is  trice  chan  'eil  tuathanaich  ro  mhaith 
air  a'  pheann  ach  bha  an  duine  ud  cho  mhaith 
air  a'  pheann  's  a  bha  e  air  aiteach.  Mar 
thubhairt  an  salmadair,  bha  a  theangaidh  mar 
pheann  fir-sgriobhaidh  dheis,  agus  b'  abhaist  da 
a    bhi    sgriobhadh    ann    an    leabhar-poca    na 


smuaintean  a  bhiodh  a'  tighinn  'n  a  inntinn  fad 
an  latha  mu  Dhia,  agus  mu  oibrichean  Dhe, 
agus  mu  chiirsa  an  fhreasdail  'na  bheatha  fein. 

Thainig  e  o  stoc  maith  ;  bha  fallaineachd  is 
diadhaidheachd  is  eanchainnean  laidir  anns  na 
daoine  d'  am  buineadh  e  fad  ghinealan  ;  sin  an 
oighreachd  as  fhearr  anns  an  t-saoghal  so.  Ma 
leigear  leis  na  seotachan  siolachadh  cha  tig 
bhuapa  ach  na  dubh-sheotachan.  Bha  athair 
agus  a  sheanair  agus  a  shinn-seanair  'n  an 
tuathanaich,  agus  'n  an  tuathanaich  mhaithe 
cuideachd  ;  a'  toirt  am  beo-shlaint  a  talamh 
criadha  a  dh'fhairtlich  air  daoine  eile. 

Fad  she  no  seachd  de  bhliadhnachan  an 
deidh  dha  fearann  dha  fein  a  ghabhail  cha  do 
rinn  Uilleam  Dannatt  aon  sgillinn  as  a  shaothair, 
ach  lean  e  air,  ag  ionnsachadh  a  ghnothuich, 
agus  ag  uisneachadh  eanchainn  cho  mhaith  ri 
ghairdeannan,  is  air  a  cheann  nu  dheireadh 
chiosnaich  e  a'  chriadh  agus  an  cruaidh-fhortan. 

Ged  tha  tuathanaich  a'  gearan  am  bliadhna 
chan  'eil  iad  cho  dona  dheth  's  a  bha  na  daoine 
a  bha  ag  oibreachadh  talamh-criadha  ann  an 
Essecs,  an  Sasunn,  mu'n  bhliadhna  1879-  Bha 
droch  shamhradh  is  droch  fhoghar  ann  a' 
bhliadhna  sin,  is  droch  thimeannan  fad  sheachd 
no  ochd  bliadhna  'n  a  deidh  ;  droch  bhliadh- 
nachan a  chuir  milt«an  de  thuathanaich  a  mach 
air  an  dorus.  Ach  chiim  Uilleam  Dannatt  air 
gu  diorrasach,  is  chan  e  mhain  nach  deachaidh 
e  air  ais  ach  sgaoil  e  a  sgiathan  na  b'  fharsuinge, 
is  ghabh  e  na  bu  mhotha  de  fhearann,  a'  toirt 
toraidh  a  talamh  criadha  anns  nach  cuireadh 
daoine  eile  crann.  Bha  e  maith  do  'n  talamh  is 
bha  e  maith  d'a  sheirbhisich,  is  cha  do  ghabh  e 
fearann  riamh  nach  do  mhathaich  e.  Bha  e  ag 
obair  's  ag  obair  gun  sgur  ;  o'n  cheud  la  a 
thoisich  e  bha  e  a'  gleidheadh  chunntasan ; 
cunntas  air  gach  sgillinn  a  bha  tighinn  a  steach 
's  a'  dol  a  mach,  agus  cunntas  air  gach  car  a 
bha  air  a  dheanamh  air  an  fhearann  ;  c6  a  rinn 
e  agus  CO  an  la  a  rinneadh  e.  B'e  sin  an  t- 
aobhar  gu'n  d'  fhan  e  'n  a  sheasamh  an  uair  a 
thuit  daoine  eile. 

Ach  ged  bha  eolas  is  sgil  aige  air  oibreachadh 
gruinnd  chan  ann  air  a  shon  sin  a  tha  mi  'ga 
ammeachadh  air  an  duilleig  so,  ach  a  chionn  gu 
robh  eolas  is  tuigse  aige  air  nithean  spioradail, 
affus  a  chionn  g-u  bheil  bias  na  diadhaidheachd 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


air  a  h-uile  facal  a  sgriobh  e  'n  a  leabhar-latha, 
gu  sonraichte  ami  an  deireadh  a  laithean. 
Chaochail  e  ann  an  November  IQl^j  a'  cheud 
bhliadhna  de  'n  chogadh. 

Air  a'cheud  duilleig sgriobh  e  so,"  Ma leughas 
duine  eile  gu  brath  na  nithean  a  sgriobhas  mise 
air  na  duilleagan  so  tha  mi  an  dochas  nach  saoil 
iad  gur  e  duine  maith  no  naomh  a  sgriobh  iad  ; 
no  duine  a  bha  air  a  dhion  o  chruadal  agus  o 
bhuaireadh.  Chan  'eil  mise  'n  am  dhuine 
naomh  ;  ach  tha  mi  a'  toirt  buidheachais  do 
Dhia  gu'n  tug  e  dhomh  obair  a  bu  toigh  learn, 
agus  obair  anns  a  bheil  a  lamh  fein  agus  a 
churam  fein  furasd  am  faicinn,  agus  gu'n  do 
chiim  e  mi  o  iomadh  peacadh  anns  am  faodainn 
tuiteam  mur  b'e  a  throcair.  Theagamh  gu'n 
dit  daoine  eile  iomadh  rud  air  a  bheil  mise 
gaolach  ;  ged  nach  robh  mi  riamh  leasg  agus  a 
bha  mo  lamh  daonnan  ann  am  obair,  bu  toigh 
leam  iomain  is  cluieh,  sealgaireachd  is  marc- 
achd,  agus  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  a 
b'fhearr  leam  na  bhi  ruagadh  shionnach  agus 
each  maith  fodham.  Tha  mi  gaolach  cuideachd 
air  a'  phiob  thonibaca  ;  iomadh  latha  thug  i 
comhfhurtachd  dhomh  is  chiiiinich  i  m'  inntinn 
an  uair  a  bha  mi  air  mo  chur  mu'n  cuairt,  ach 
tha  cuid  de  dhaoine  maith  ag  radh  rium  gu 
bheil  e  'n  a  pheacadh  do  dhuine  a  bhi  ris  a' 
phiob.  Ach  saoilidh  mi  nach  'eil  toil-inntinn 
bheag  de  'n  t-seorsa  so  'na  pheacadh  mur  ciim  e 
duine  o  dhleasdanas,  no  mur  dean  e  cron  air 
daoine  eile." 

Bha  gaol  mor  aige  air  a'  Bhiobull  is  bha  e 
anabarrach  eolach  anns  na  sgriobturan  uile,  ach  • 
gu  sonraichte  ann  am  faidheadaireachd  Eseciel ; 
leabhar  a  bha  e  a'  leughadh  gun  sgur,  agus 
mheudaich  e  anns  a'  ghliocas  sin  o  shuas,  a  tha 
Dia  daonnan  a'  toirt  do  dhaoine  d'an  aithne 
Fhacal.  Sin  rud  a  thug  mise  an  aire  dha  'n  am 
mhinistrealachd  fein,  an  tuigse  agus  an  gliocas 
a  tha  aig  daoine  gun  ionnsachadh  gun  sgoil  ach 
d'an  aithne  am  Biobull  gu  maith,  agus  a  bhios 
a'  cur  seachad  uiread  iiine  'g  a  leughadh  's  gur 
aithne  dhaibh  na  daoine  a  tha  air  an  ainmea- 
chadh  ann,  Laban  is  Lot  is  Philip  is  Onesimus, 
cho  mhaith  's  is  aithne  dhaibh  an  coimhears- 
naich  ;  thug  mi  an  aire  iomadh  uair  an  gliocas 
saoghalta  agus  a  gheiread  inntinn  is  breith- 
neachaidh  a  tha  aig  an  t-seorsa  dhaoine  sin,  ged 
nach  d'f  huair  iad  riamh  moran  sgoil.  Is  e  eagal 
an  Tighearna  gun  teagamh  tiis  a'  ghliocais. 

"  A  dh'aindeoin  cho  gaolach  's  g'  am  bi  fear 
agus  bean  air  a  cheile  thig  facail  eatorra  uair  no 
uair-eigin  ;  an  uair  a  thachras  sin  is  ann  aig  a' 
bhoirionnach  a  tha  a'  chuid  is  miosa.  Tha  a 
ghnothuch  laitheil  aig  an  fhear  ri  dol  thuige,  is 
faodaidh  e  an  tigh  fhagail  is  inntinn  a  thogail 
o'n  rud,  ach  chan  urrainn  am  boirionnach  sin  a 
dheanamh.  Feumaidh  i  fantuinn  aig  an  tigh, 
far  nach  'eil  dad  aice  a  thairngeas  air  falbh  a 
h-inntinn  o'n  ghearan  a  tha  aice  an  aghaidh  a 


fir  ;  fad  finn  foinneach  an  latha  ni  i  i-fh^in 
truagh  is  neo-shona  a'  dol  thairis  air  na  thubhairt 
e  rithe.  Bu  choir  do'n  fhear  so  a  chuimh- 
neachadh  agus  geilleachdainn  d'a  mhnaoi.  Bu 
choir  dha  a  bhean  a  chur  air  thoiseach  air  gach 
duine  no  ni  eile  anns  an  t-saoghal,  air  thoiseach 
air  athair  agus  a  mhathair,  agus  air  thoiseach 
air  fein." 

Bha  e  a'  cheart  cho  faicilleach  agus  cho 
fair  each  ail  mu'n  doigh  anns  am  bu  choir  do 
mhaighstirean  buntainn  r'  an  seirbhisich.  "  Air 
mo  shon  fein  dheth  tha  mi  dearbhta  nach  gabh 
obair  an  t-saoghail  deanamh  gun  an  da  sheorsa 
a  bhi  ann,  maighstirean  is  seirbhisich.  Feum- 
aidh duine  a  bhi  ann  aig  a  bheil  coir  air 
ordugh  a  thoirt  seachad,  agus  duine  eile  air  a 
bheil  e  mar  fhiachaibh  iimhlachd  a  thoirt  do 
'n  ordugh.  Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  gu 
bheil  am  maighstir  daonnan  na's  fhearr  na  'n 
seirbhiseach,  no  eadhon  na's  fhearr  air  a  dhoigh. 
Trie  gu  leoir,  bhiodh  am  maighstir  ceart  coma, 
agus  theagamh  a  bheatha  na  bu  reidhe,  na'n 
robh  e  an  aite  an  t-seirbhisich,  ach  air  a  shon 
sin  feumaidh  iad  le  cheile  an  aite  fein  a  chumail, 
m'am  bi  ciiisean  ceart.  Bu  mhaith  an  gnothuch 
na  'n  rachadh  aig  maighstirean  air  iad  fein  a 
chur  an  aite  an  seirbhiseach,  agus  sealltainn  air 
rud  le  an  siiilean-san.  Ciamar  a  chordadh  e 
riut  fhein  e  bhi  air  a  radh  riut  air  maduinn 
fhliuch,  an  deidh  coiseachd  leth-mhile  anns  an 
dile, '  faodaidh  tu  dol  dhachaidh  an  diugh  ;  chan 
'eil  obair  agam  dhuit  ?  '  Bu  choir  do  mhaighstir 
sealltuinn  roimhe  agus  caran  a  bhi  aige  a 
ghabhadh  deanadh  a  stigh  mur  gabh  obair  a 
muigh  deanamh,  oir  tha  sonas  dhaoine  eile  an 
crochadh  ris.  Bu  choir  dha  cuideachd  cothrom 
a  thoirt  do  sheirbhiseach  bruidhinn  ris  mar 
dhuine,  agus  inntinn  is  eadhon  fhearg  a  leigeil 
a  mach,  gun  a'  ghlas-ghuib  a  chur  air  a  chionn 
gur  seirbhiseach  e.  Ach  gle  bhitheanta  cha 
ruig  an  t-uabhar  no  a  ghealtachd  le  maighstirean 
leigeil  le  seirbhiseach  bruidhinn  ma  thainig 
dad  eatorra." 

"  Bithidh  ciiram  aig  an  duine  ionraic  do 
bheatha  'ainmhidh,"  tha  Facal  an  Tighearn  ag 
radh  ;  bha  Uilleam  Dannatt  ionraic  is  caomhail 
anns  an  t-seadh  sin.  "  Gu'n  tugadh  Dia 
maitheanas  dhomh,"  sgriobh  e  'n  a  leabhar, 
"  mur  tug  mi  coir  is  ceartas  d'am  sheirbhisich 
uasal,  na  h-eich  ;  na  creutairean  ceutach  a 
shaothraich  dhomh  gun  ghearan,  earrach  is 
foghar,  fliuch  no  tioram,  laithean  teth  is  laithean 
fuar.  Ma  tha  beatha  eile  air  chionn  nan  each 
mar  tha  i  air  chionn  nan  daoine  bu  mhaith  leam 
iad  a  bhi  toilichte  leatha." 

Thug  Uilleam  Dannatt  urram  do  la  an  Tigh-. 
earna,  agus  eadhon  ann  an  droch  fhoghair,  an 
uair  a  gheibheadh  tuathanaich  eile  lethsgeul 
maith  air  toiseachadh  air  cur  a  stigh  air  an 
t-Sabaid,  rud  nach  leasg  leo  a  dheanamh  a  nis 
CO  dhiu,  cha  ruigeadh  a  choguis  leis  eich  no 


AN  TRIANAID  SHIORRUIDH— CLANN^N  EILEIN 


daoine  a  chur  gu  obair  air  la  na  Sabaid.  Aon 
bhliadhna  bhuail  teagamh  e  nach  robh  e  a' 
deananih  ceart,  ami  an  droch  fhoghar  na 
bliadhna  1899,  ach  'nuair  a  bha  e  an  iom- 
chomhairle  thainig  an  smuain  'n  a  inntinn 
gur  e  an  Dia  a  thug  an  aithne  do  mhac 
an  duine,  '  Se  laithean  saothraichidh  tu,'  a 
cheart  Dia  a  tha  riaghladh  an  t-saoghail 
gu  glic  agus  gu  cothromach  o  chionn  nam 
miltean  bliadhna,  agus  mar  sin  nach  freagradh 
e  d'a  leithid-san  a  radh  nach  aithne  do  Dhia  a 
ghnothuch." 

"  Aon  ni  ghuidh  mi  air  Dia  uile  laithean  mo 
bheatha,  nach  fhaigheadh  gaol  airgid  greim 
orm.  Dh'ionnsaich  mo  sheanair  an  leasan  sin. 
dhomh.  Cho  fhad  agus  is  fhios  dhomh  cha  do 
rinn  mi  riamh  ana-caitheamh  air  airgiod,  ach 
cha  mho  a  shor  mi  riamh  airgiod  a  chur  a  mach 
air  an  fhearann,  no  air  son  dhaoine  eile.  Bha 
mi  mar  gu'm  biodh  stiubhard  ris  an  d'earb  Dia 
maoin,  agur  b'   e  mo  ghuidhe  daonnan  gu'n 


cuidicheadh  e  leam  mo  dhleasdanas  a  dheanamh 
do  nio  cho-chreutairean,  do  na  h-ainmhidhean, 
agus  do'n  talamh." 

Fad  bliadhna  m'  an  do  shiubhail  e  bha  e  air 
a  chradh  le  pian,  ach  daonnan  taingeil  gu  rdbh 
a  thur  's  a  bhuadhan  aige.  Aon  oidhche  bha  e 
cho  dona  's  gu'm  b'  fheudar  dha  a'  bhan- 
altrum  a  ghairm.  Ghabh  ise  an  t-eagal  gu  robh 
a'  chrioch  dluth  is  bha  i  air  son  an  teaghlach  a 
chur  air  an  cois.  Ach  cha  ruigeadh  e  leatha  sin 
a  dheanamh  ;  "  chan  e  so  am  bas  fhathast," 
ars'  esan,  "  ach  tha  mi  a'  faireachduinn  sith  is 
sonas  'n  am  chridhe  nach  gabh  innseadh."  Bha 
a  shonas  cho  solasaeh  's  gu  robh  diiil  aige  gur  e 
roimh-bhlas  air  neamh  a  bha  ann,  agus  gu'n 
tugadh  Dia  air  falbh  e  cho  luath  's  a  thuiteadh 
e  'n  a  chadal.  Ach  ged  bha  e  beo  greis  'n  a 
dheidh  sud  cha  do  chaill  e  riamh  tuilleadh  an 
t-sith  a  lion  a  chridhe  an  oidhche  ud,  "  sith  nach 
gabh  ni  air  thalamh  a  bhi  air  a  choimeas  rithe  : 
beannaichte  eu  robh  Dia." 


An  Trianaid  Shiorruidh 


ASHLOIGH    na    cruinne,    gach    fine    agus 
cainnt, 
Molaibh  an  Trianaid  Shiorruidh  : 
Fosglaibh  bhur  bilean  gu  cridheil  toirt  taing 

Agus  gloir  do'n  Trianaid  Shiorruidh  : 
Do'n  Dia  a  tha  bithbhuan  'na  bhith  is  'na  ghne, 
Is  e  an  Ti  ceudna  an  diugh  is  an  de, 
A  rtmaich,  a  chruthaich,  's  a  dh'ordaich  an  ce, 
Thoireamaid  gloir  gu  siorruidh. 

Do'n  Athair  th'air  cathair  na  cruinne  'na  righ, 

Air  muir  is  air  tir  a  riaghladh  ; 
An  Dia  tha  neo-chruthaicht,   's   a  chruthaich 
gach  ni, 
Le  gliocas  is  cumhachd  a  dhiadhachd  ; 
Dhasan  thug  bith  dhuinn,  's  a  dhealbh  sinn  'na 

chruth, 
Le  buadhan  gu   cluinntinn   's   gu  tuigsinn   a 

ghuth, 
Bha  soillseachadh  inntinn  nan  linn  gus  an  diugh, 
Thoireamaid  gloir  gu  siorruidh. 

Do'n  Mhac  a  bha'm  broilleach  an  Athar  o  thus, 

Thoireamaid  cliii  gu  siorruidh  ; 
Fior    iomhaigh    a    Phears'    agus    dealradh    a 
Ghniiis, 
Fior  ghloir  neo-chruthaicht  na  diadhachd  ; 
A  ghradhaich,   's   a  thainig,  mar  anrach,   'na 
iochd. 


A  shireadh,'s  a  thearnadh,gach  al  de  ar  sliochd, 
A  bhasaich  'n  ar  'n  aite,  's  tha  ardaicht  'n  ar 
riochd, 
Togamaid  gloir  gu  siorruidh. 

Do'n  Spiorad  thug  beath'  do  gach  anam  tha  beo, 

'S  e  bith  agus  deo  na  diadhachd  ; 
A  thiiirling  aig  Caingis,  mar  thein'  as  na  neoil, 

Le  beannachdan  mor  ro-fhialaidh  ; 
Tha   dearbhadh    air   peacaich    an   ciont   is    an 

truaigh, 
Tha  foillseachadh  Chriosd  'na  a  bhas  a'  toirt 

buaidh, 
Tha  naomhachadh  beath'  agus  anam  a  shluaigh ; 

Seinneamaid  duain  bhitheas  siorruidh. 

Do'n  Athair,  do'n  Mhac,  is  do'n  Spiorad,  'nan 
aon, 
Co-mhaireann  an  aonachd  shiorruidh, 
Tha  foillsicht   's  an  fhacal  do  spiorad  chlann 
daoin, 
Ro-bheannaicht,  ro-naomh,  ro-dhiadhaidh  : 
Co-ionnan  an  gliocas,  an  cumhachd,  an  gradh. 
Am  firinn,  an  ceartas,  am  beartan  an  lamh, 
A   chleachdas   am   feartan  gu   h-achdaidh   gu 
brath, 
Thugamaid  gloir  bhitheas  siorruidh. 


Alasdair  MacRath. 


Clann  an  Eilein 


BHO  chionn  ghoirid  thainig  leabhar  beag 
thugam  mu  na  ministearan  a  thug  an 
t-eilean  Sgitheanach  do'n  eaglais.  Bha  an 
leabhar  air  a  chur  a  mach  leis  an  Urramach 
Domhull    Mac    Fhionghuin,    ministear    na    h- 


eaglais  Shaoir  am  Port-righ,  duine  a  tha  'na 
sgoilear  curamach  agus  'na  sheanchaidh  maith. 
Gu  ma  fada  a  bhios  ministear  Phort-righ  a' 
faotainn  toileachaidh  dha  fein  am  measg  a 
leabhraichean    agus    nan   craicinn-sgriobhaidh, 


8 


CLANN  AN  EILEIN 


oir  tha  e  a'  toirt  toileachaidh,  agus  fiosrachadh 
cuideachd,  do  dhaoine  eile  leis  an  obair  a  tha 
e  a'  deanamh  'n  am  measg  ! 

A  thaobh  arach  mhinistearan  tha,  mar 
gu'm  b'eadh,  lionadh  is  traoghadh  air  na 
h-eileanan  an  lar.  Aig  aon  am  bha  Tirithe  a' 
cur  a  mach  barrachd  air  eileanan  eile,  a  reir  a 
mheudachd,  ach  stad  sin  a  nis  gu  buileach  ; 
aig  am  eile  thainig  moran  mhinistearan  a 
Uidhist  ach  chan  'eil  uiread  a'  tighinn  as  an 
diugh.  Is  e  Leodhas  an  t-eilean  a  tha  air 
thoiseach  air  each  anns  na  bliadhnachan  so, 
mar  mhathair  oileanach  a  tha  dol  air  an  aghaidh 
gu  dreuchd  na  ministrealachd. 

Ach  ma  ghabhar  na  bliadhnachan  agus  na 
linntean  thar  a  cheile  feumar  an  t-urram  a 
thoirt  do'n  eilean  Sgitheanach  anns  a'  chilis 
so  mar  a  dh'  fheumar  a  thoirt  dha  ann  an 
iomadh  rud  eile. 

Eadar  1560  agus  184<3  shaothraich  ochd  is 
tri  fichead  ministear  anns  an  eilean,  agus 
dhuibh  sin  bhuineadh  a  dha  is  da  fhichead 
do'n  eilean  fhein.  Cha  robh  ministearan  cho 
lionmhor  anns  na  laithean  ud.  Aig  deireadh 
an  leabhair  chuir  Mghr  Mac  Fhionghuin  sios 
na  h-ainmean  aig  tri  fichead  ministear  is  a 
dha  a  bhuineas  do'n  eilean  Sgitheanach,  a  tha 
beo  an  diugh  agus  a  tha  saothrachadh  anns 
na  h-eaglaisean  Cleireachail. 

Tha  e  a'  deanamh  iomraidh  air  teaghlaichean 
sonraichte  anns  an  eilean  anns  an  robh  fuil 
is  dtithchas  na  sagartachd  ;  na  Beutonaich, 
no  Clann  Mhic  Bheatha  ;  teaghlach  Gobha 
Shuardail  as  an  tainig  Clann  Mhic  Leoid  na 
Morairne  ;  teaghlach  Mhic  Fhionghuin  an 
Cill-Bhride,  a  thug  ministearan  maith  do'n 
t-Srath  agus  do  sgireachdan  eile  ;  teaghlach 
a  mhinisteir  Mhic  Neacail  an  Cill-Mhoire,  is 
feadhainn  eile. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  caraid  fiosrach  ag 
innseadh  dhomh  mu  dhuine  ann  an  Uidhist 
ris  an  abradh  iad  Calum  na  gealaich,  ris  a 
bheil  a'  chuid  mhor  de  na  ministearan  a 
thainig  a  Uidhist  o  chionn  tri  fichead  bliadhna 
a'  tagar  cairdeis,  ach  thainig  barrachd  mhinis- 
tearan a  leasraidh  Dhomhuill  Mhic  Neacail  a 
bha  'na  mhinistear  Easbuigeach  an  Cill- 
Mhuire  (chaochail  e  an  1697)  na  thainig  riamh 
o  Chalum  na  gealaich. 

Bha  Domhull  Mac  Neacail  posda  tri  uairean  ; 
bha  tri  duine  fichead  cloinne  aige  ;  is  eadar  ogha- 
chan  is  iar-oghachan  is  gliiinean  eile  as  fhaide 
a  mach  thug  e  dha  dheug  air  fhichead  de 
mhinistearan  do'n  eaglais. 

Anns  na  seann  laithean  bha  teaghlaichean 
mor  aig  a  h-uile  seorsa  dhaoine,  ach  tha  mi 
an  duil  gu  robh  iad  na  bu  mhotha  aig  minis- 
tearan na  bha  iad  aig  daoine  eile.  Bha  e 
cumanta  gu  leoir  dha  dheug  de  chloinn  f  haicinn 
ann     an    tighean    mhinistearan ;      is     bhiodh 


sgonn  iir  air  a  chur  ris  a'  Mhanse  air  uairean 
a  chionn  gu  robh  an  teaghlach  a'  fas  lionmhor. 
Bha  se  duine  deug  de  chloinn  aig  Domhull 
Mac  Neacail,  ministear  Lios-mor  ;  an  duine  a 
fhreagair  an  t-OUamh  Mac  Iain  an  uair  a 
sgriobh  e  leabhar  nach  do  chord  ris  na  Gaidheil. 
Bha  naoi  duine  deug  aig  fear  de  mhinistearan 
Urchadainn,  agus  ma's  maith  mo  chuimhne, 
bha  ceithir  deug  aig  Padraig  DonihnuUach, 
ministear  na  Cill-mhoir  an  Latharna,  ged  nach 
robh  aige  ach  tri  fichead  's  a  deich  de  thuarasdal. 
Ach  bha  fidheall  aige,  is  cluas-chiuil  mhaith, 
is  Ian  a  chinn  de  phuirt  ;  tri  nithean  as  fhearr 
na  airgiod.  Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  a 
tha  daoine  a'  miannachadh  cho  mor  a  bheir 
dhaibh  cho  beag  sonais  ri  airgiod. 

Cha  robh  a  bheag  de  theaghlaichean  riamh 
anns  a'  Ghaidhealtachd  a  b'ainmeile  na  na 
Beutonaich,  ach  "tha  iad  an  diugh  air  cnamh. 
Cha  b'e  an  t-sagartachd  ach  an  dotaireachd 
fior  ghaol  nam  Beutonaich.  Fad  iomadh  gineal 
bha  iad  'n  an  lighichean  aig  righrean  na 
h-Alba  agus  aig  tighearnan  nan  Eileanan  ; 
bha  iad  an  He,  am  Muile,  agus  anns  an  eilean 
Sgitheanach.  Am  beul-aithris  an  t-sluaigh 
anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh  fhathast 
gheibhear  naigheachdan  mu  sgil  is  sgoil 
nan  daoine  so,  an  t-OUamh  Ileach  agus  an 
Dotair  Muileach.  Bha  e  air  a  radh  gu  robh 
leabhraichean  aca  nach  robh  aig  daoine  eile. 
Bha  sin  aca  gun  teagamh,  oir  dh'  eadar- 
theangaich  cuid  dhiubh  gu  Gaidhlig  leabh- 
raichean dotaireachd  na  Greige  agus  tir- 
mor  na  Roinn-Eoi'pa.  Bha  na  leabhraichean 
sin  cosdail  ;  chosdadh  fear  dhiubh  tri  fichead 
mart  bainne,  ach  ann  an  teaghlach  nam 
Beutonaich  bha  leabhar  an  athar  air  a  thoirt 
do'n  mhac.  Tha  cuid  de  na  leabhraichean 
sin  air  an  gleidheadh  gu  ciiramach  an  Dun- 
eideann  a  nis  ;  bha  de  chixram  aig  Fearchar 
Mac  Bheatha,  a  bha  'na  dhotair  anns  an  eilean 
Sgitheanach,  do  fhear  de  na  leabhraichean 
so  's  nach  tugadh  e  a  steach  e  do  bhata  an 
uair  a  bhiodh  e  a'  gabhail  aiseig,  air  eagal 
gu'm  faodadh  dad  eirigh  do'n  bhata.  Dh' 
earbadh  e  a  bheatha  fein  ris  a'  bhata  ach  chan 
earbadh  e  an  leabhar  ;  chuireadh  e  gille  leis 
an  leabhar  air  tir. 

Tha  an  leabhar  so  mar  gu'm  biodh  ceann 
caorach  ;  tha  moran  itheannaich  ann,  is 
itheannaich  bhlasda  cuideachd  nach  dean 
ci'on  air  cail  duine  air  bith,  co  dhiu  a  tha  e 
Saor  no  Daor  ;  air  an  taobh  bhig  no  air  an 
taobh  mhor.  Bu  choir  do  mhuinntir  an  Eilein 
Sgitheanaich  gu  sonraichte  taing  a  thoirt 
do  Mhghr  Mac  Fhionghuin  air  a  shon,  agus 
an  leabhar  so  a  cheannach.  Cha  chosd  e 
dhaibh  ach  tasdan,  is  gheibh  iad  ann  gun 
saothair  fiosrachadh  a  dhioghlum  Mghr  Mac 
Fhionghuin  le  saothair  a  iomadh  cearn. 


Air 


12 


93 


Anns  a'  Chubaid 

(AN  GEATA  CUMHANN) 

Deanaihh  spairn  chruaidh  gu  dol  a  stigh  air  o'  gheata  chunihann. — Lucas  xiii,  24. 


CHAN  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  lugha  air 
daoine  anns  na  laithean  so  na  gu'n  saoileadh 
daoine  eile  gu  bheil  iad  cumhann.  B'  fhearr 
leo  e  bhi  air  a  chur  as  an  leth  gu'n  do  bhris  iad 
tri  no  ceithir  de  na  h-aitheantan  seach  e  bhi 
air  a  chur  as  an  leth  gu  bheil  iad  cumhann. 
Agus  rud  as  miosa  air  fad,  tha  an  saoghal  a' 
saoilsinn  an  diugh  nach  bi  ministear  air  bith  a' 
searmonachadh  air  a  leithid  so  de  cheann- 
teagaisg  ach  ministearan  cumhann. 

Ach  chan  e  ministear  no  sagart  a  labhair 
am  facal  so  ach  an  Slanuighear  caomh,  agus  c6 
a  ghabhadh  air  fein  a  radh  gu  robh  esan  cumh- 
ann, no  gu  robh  e  uair  air  bith  a'  feuchainn  ri 
eagal  a  chur  air  daoine  ?  Agus  a  thuilleadh 
air  sin,  chan'eil  am  facal  so  a'  seasamh  leis  fein 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  ;  tha  an  Tiomnadh 
Nuadh  Ian  de  'n  t-seorsa  teagaisg  so  ;  gu  bheil 
e  furasda  do  dhaoine  an  anam  a  chall  ;  gu  bheil 
e  duilich  dhaibh  aitheantan  Dhe  a  choimhead, 
agus  mar  sin  gu'm  feum  iad  spairn  chruaidh  a 
dheanamh  ma  bu  mhaith  leo  dol  a  steach  do 
rioghachd  neimh. 

Tha  da  ni  ann  a  bu  choir  a  bhi  air  a  radh 
anns  a'  chiibaid  gun  sgur,  (1)  nach  bi  an  diadh- 
aidheachd  gu  brath  furasda  eadhon  do  na 
naoimh,  agus  (2)  nach  bi  an  diadhaidheachd 
gu  brath  taitneach  do'n  duine  nadurra.  Ach 
air  a  shon  sin  tha  an  saoghal  ag  iarraidh  air  an 
eaglais  creideamh  furasda  no  diadhaidheachd 
fhurasda  a  thoirt  da,  agus  tha  an  saoghal  a' 
faotainn  coire  don  eaglais  a  chionn  nach  'eil 
i  a'  taladh  dhaoine  'ga  h-ionnsuidh,  mar  a  thal- 
aidheas  an  tigh-osda  no  tigh-nan-dealbh  iad. 
Ach  na'm  faicteadh  uiread  dhaoine  a'  dol  do'n 
eaglais  's  a  chithear  a'  dol  do  thigh-nan-dealbh 
bhiodh  amharus  agam  gu  robh  iad  a'  faotainn 
soisgeul  eile  innte  seach  an  soisgeul  a  tha  anns 
na  briathran  so,  deanaihh  spairn  chruaidh  gu  dol 
a  stigh  air  a'  gheata  chumhann. 

Ged  tha  taobh  bhlath  agam-sa  ris  a  h-uile 
searmonaiche  a  tha  soisgeulach  'n  a  theagasg, 
agus  a  bhios  ag  ardachadh  na  saorsa  agus  na 
sithe  agus  na  slainte  a  gheibhear  ann  an 
Criosd,  le  aon  sealladh  fhaicinn  air  le  suil  ar 
creidimh,  tha  mi  a'  faicinn  cuideachd  nach 
trie  leis  na  searmonaichean  sin  iomradh  idir 
a  dheanamh  air  taobh  eile  de'n  fhirinn,  no 
air  taobh  eile  de  bheatha  na  diadhaidheachd. 
Bho  dh'  fhalbh  Cardinal  Newman  agus  an 
t-Ollamh  Mac  lUe  Bhain  an  Duneideann  chan 


aithne  dhomh  aon  eile  an  diugh  am  measg 
phrionnsachan  na  h-eaglais  a  bhios  ag  eigh- 
each  gun  sgur  ann  an  cluasan  dhaoine  gu  bheil 
an  t-slighe  gu  neamh  fada  agus  duilich,  agus 
nach  leig  duine  air  bith  a  leas  fiughair  a  bhi 
aige  gu'n  ruig  e  neamh  mur  smachdaich  e  an 
inntinn  nadurra  agus  an  cridhe  peacach  a  tha 
air  a  ghiulan,  gus  nach  bi  'na  bheatha  ach  stri 
agus  cogadh  a  h-uile  latha.  Bhiodh  e  gu 
buannachd  do'n  eaglais  na'n  robh  an  taobh  so 
de'n  fhirinn  air  a  cumail  fa  chomhair  dhaoine 
na's  motha  na  tha  i,  an  spairn  chruaidh  a  dh' 
fheumas  iad  a  dheanamh  ma  tha  iad  air  son 
fantuinn  ann  an  co-chomunn  Chriosd. 

Ciod  mo  dhuais  ma  ni  mi  'leantuinn 
Mar  fhear-iiiil  do  m'  cheum  ? 
lomadh  doilghios,  deur,  is  deuchainn, 
lomadh  beum. 

Sin  agad,  a  leughadair,  cridhe  na  firinn. 
An  uair  a  tha  siiilean  duine  air  am  fosgladh 
le  spiorad  an  Tighearna  agus  a  chi  e  airde 
na  gairme  a  dh'  ionnsuidh  an  do  ghairm 
Criosd  e,  agus  an  seorsa  beatha  a  tha  nis  mar 
fhiachaibh  air  mar  dheisciobul  Chriosd,  chan 
e  sith  a  tha  an  duine  sin  a'  faotainn  ach  claidh- 
eamh  ;  claidheamh  a  theid  an  sas  'n  a  chridhe 
a  h-uile  la  a  dh'  eireas  e. 

Ciamar  a  bhitheadh  an  diadhaidheachd 
furasda,  no  ion-mhiannaichte  leis  a'  mhor- 
chuidheachd  de  dhaoine  ?  Oir  ciod  an  seorsa 
beatha  a  tha  Criosd  ag  iarraidh  bhuainn,  agus 
a  tha  air  a  cur  romhainn  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  mar  riaghailt  ar  creidimh  ?  Tha  e 
ag  iarraidh  oirnn  gach  ni  eile  a  leigeil  seachad  ; 
tigh,  is  bean,  is  teaghlach,  is  comhfhurtachd, 
is  urram  saoghalta,  air  ghaol  ar  spioradan  agus 
ar  cridheachan  a  bhi  glan  agus  fallan  ;  tha  e 
ag  iarraidh  oirnn  ana-miannana  feolaacheusadh 
cho  buileach  's  gu'm  bi  sinn  toileach  cas  no 
lamh  no  siiil  no  ball  air  bith  eile  d'ar  corp  a  tha 
'gar  cur  air  seachran  a  ghearradh  asainn  ;  tha 
e  ag  iarraidh  oirnn  ar  n-uaill  agus  ar  fein- 
fhireantachd  a  chur  fo  ar  casan  ;  maitheanas 
a  thoirt  d'  ar  naimhdean  agus  gradh  gun  cheilg  ; 
tha  e  ag  iarraidh  oirnn  daoine  a  mhallaicheas 
sinn  a  bheannachadh  ;  a  bhi  trocaireach  agus 
macanta  agus  iriosal  ;  iimhlachd  agus  gradh  a 
thoirt  do  ar  n-Athair  neamhaidh  le  ar  n-uile 
chridhe  agus  anam, — sin  agad  an  seorsa  beatha 
a  tha  Criosd  a'  cur  romhainn,  agus  abair  thusa 


2 


ANNS  A'  CHUBAID— MACCAILEIN  MOR  AGUS  MONTROS 


a  nis,  a  leughadair,  a  bheil  tu  da  rireadh  a' 
creidsinn  gu'm  biodh  a'  bheatha  so  furasda 
dhuit  no  gu'm  biodh  i  taitneach  do  d'  fheoil  ? 
Anns  an  duine  as  naoimhe  air  thalanih  tha 
freumh  de'n  inntinn  nadurra  ;  is  ro  thoigh  leis 
an  inntinn  nadurra  an  fheoil  a  thoileachadh 
agus  suaimhneas  is  solas  a  thoirt  dhi  ;  is  toigh 
leatha  gean-maith  agus  gloir  an  t-saoghail  a 
chosnadh,  ach  tha  sin  uile  calg-dhireach  an 
aghaidh  inntinn  Chriosd. 

Tha  diiil  aig  moran  dhaoine  an  diugh  gur 
e  creud  na  h-eaglais  as  aobhar  nach  urrainn 
daibh  an  creideamh  Criosduibh  aideachadh, 
ach  fad  na  h-uine  is  e  an  duileadas  a  tha  anns 
a'  bheatha  dhiadhaidh  a  tha  'gan  cumail  air 
falbh  bho  Chriosd.  Eadhon  ged  nach  abair 
iad  e  riu  fein  air  a  cheann  tha  faireachduinn 
aca  'n  an  cridhe  nach  b'  urrainn  daibh  an 
aghaidh  a  chumail  ri  lagh  ard  agus  naomh 
an  Tighearna  gun  spairn  cho  cruaidh  a  dhean- 
amh  's  gu'm  biodh  am  beatha  'n  a  h-uallach 
dhaibh.  Agus  mar  sin  treigidh  iad  Criosd 
mar  a  threig  Demas  Pol,  a  chionn  gu  bheil 
gaol  as  motha  aca  air  an  t-saoghal. 

Deanaihh  spairn  chruaidh  gu  dol  a  stigh  air 
a'   gheata   chumhann.     Uair   is    uair    eile    'n    a 


theagasg  thainig  Criosd  air  ais  gus  an  earail 
sin,  mar  gu'm  biodh  eagal  air  gu'm  mealladh 
daoine  iad  fein,  agus  gu'm  biodh  iad  toilichte 
le  beatha  air  bith  ach  a'  bheatha  as  airde. 

"  Chuimhnich  mi  air  Dia,"  ars'  an  salm- 
adair,  "  agus  bha  mi  fo  bhuaireas  agus  fo 
iargain."  Bu  mhaith  dhuinn  anns  an  eaglais 
an  diugh  na'n  robh  an  tuilleadh  buaireis  agus 
eagail  'n  ar  cridheachan  an  uair  a  chuimhnicheas 
sinn  air  Dia,  agus  bu  mhaith  dhuinn  cuideachd 
na'n  robh  criomain  shonraichte  de'n  Tiomnadh 
Nuadh  air  a  bheil  sinn  a'  deanamh  dearmaid 
air  an  leughadh  'n  ar  n-eisdeachd  a  h-uile 
Sabaid,  briathran  de  'n  t-seorsa  so,  deanaihh 
spairn  chruaidh  gu  dol  a  stigh  air  a'  gheata 
chumhann. 

An  diugh  tha  an  smuain  ann  an  cridheachan 
mhoran  dhaoine  gu'm  bi  na  h-uile  air  an 
tearnadh,  c6  dhiti  a  tha  iad  maith  no  dona, 
naomh  no  aingidh  ;  no  c6  dhiii  a  bha  iad  a' 
feuchainn  ri  laghannan  Dhe  a  choimhead  agus 
ana-mianna  na  feola  a  smachdachadh,  no  nach 
robh.  Faodaidh  e  bhith  gu  bheil  a  leithid  sin 
de  theagasg  taitneach  do'n  duine  nadurra,  ach 
tha  e  calg-dhireach  an  aghaidh  facal  an  Tigh- 
earna, agus  an  aghaidh  inntinn  Chriosd. 


MacCailein  Mor  agus  Montros 

"  An  dithaich  ^nrach  so  " 


Aleughadairean  ionmhuinn  chuir  am  fear- 
deasachaidh  a'  chomain  orm-sa  gun  d'iarr 
e  orm  beagan  a  sgriobhadh  airson  bhur  leugh- 
aidh,  agus  bu  mhaith  leam  an  cothrom  so  a 
ghabhail  gu  bhi  cur  failte  oirbh  uile.  Am  fear 
a  chuir  fo  chomain  mi  chuir  e  fo  chumha  mi 
cuideachd.  Gabhaidh  mi  ris  an  tairgse  's  ris 
a'  chumha  ;  agus  ni  mi  iomradh  goirid  air  an 
da  uasal  Albannach  ud,  Gilleasbuig  Caogach, 
larla  Earra-ghaidheal,  agus  Seumas  Greum, 
Marcus  Mhontrois. 

Is  e  Gilleasbuig  Caogach,  a  chaidh  a  chur  gu 
bas  an  dith-cheannaidh  an  Duneideann  anns  a' 
bhliadhna  1661,  Caimbeulach  cho  iomraideach 
's  air  an  d'  fhuaras  seanchas  ;  agus  is  e  Seumas 
Greum  duine  cho  foghainteach  grinn  gaisg- 
eanta  's  a  thainig  o'n  teaghlach  ghlan  sin  do'm 
buineadh  e  fhein. 

Bu  dithis  iad  a  thainig  o  dha  theaglach  shean 
uaibhreach  do'm  buineadh  a  bhi  gleusda  smach- 
dail,  is  bha  iad  fagus  air  a  bhi  anns  na  coimh- 
aoisean,  agus  fhuair  iad  le  cheile  roinn  oilean- 
achaidh  an  Oil-thigh  Chill-Rimhinn  ;  ach  cha 
do  I'inn  sin  reidh  iad  oir  thainig  iad  gu  bhi  'n 
an  dearg  naimhdean  aig  a  cheile.  Gun  teagamh, 
fhuair  iad  cothrom  maith  air  a  bhi  fo'n  bhuair- 
eadh,  oir  cha  robh  cus  o  shean  aig  an  aithrichean 
mu  cheile  agus  thainig  na  gillean  gu  bhi  'n  am 


fir  an  latha  dubh  doilleir  a'  mhi-ruin  agus  na 
comhstri  an  Alba. 

O  chionn  gearr  air  tri  ceud  bliadhna  air  ais 
chaidh  rioghachd  Bhreatainn  a  roinn  gu  mor 
agus  chaidh  comhragan  's  cathan  fuilteach  a 
chiir  innte  ri  linn  comhstri  a  dh'eirich  eadar  na 
righrean  Stiubhartach  agus  an  roinn  laidir  sin 
de  na  h-iochdarain  aca,  mithean  is  "maithean, 
a  bha  de'n  lan-bheachd  gu'n  robh  na  righrean 
a'  deanamh  droch  dhiol  ain-dligheach  air  daoine, 
araon  an  ciiisean  siobhalta  's  an  cuisean  creud 
is  aidmheil.  Cha  b'ann  an  Alba  bu  lugha  am 
buaireadh  's  an  troimh-cheile.  Cha  robh  e 
furasda  a  dh'  Albannaich  ciil  a  chur  ris  na 
righrean  diithchasach,  ach  cha  mhotha  bha  e 
furasda  dhaibh  a  bhi  fulang  thar  a'  mhithich 
agus  an  Eaglais  Chleireach  a  leigeil  fo  na  casan. 

Chan  'eil  e  mi-iomchuidh  a  radh  gur  ann  am 
measg  nam  Papanach  's  nan  Easbuigeach  a 
fhuair  na  righrean  an  cul-taice,  agus  gur  ann  an 
aghaidh  nan  righrean  a  bha  a'  Chleir  ;  agus 
mar  sin  bha  a'  Ghaidhealtachd  i  fein  roinnte 
gu  leoir,  oir  bha  Papanaich  is  Easbuigich  is 
Cleirich  innte.  Is  ann  air  na  h-iomaill  a  bha 
na  Papanaich  's  na  h-Easbuigich,  feadh  nan 
garbh-chrioch  agus  anns  na  h-eileanan.  Dh' 
fhag  sin  clann  Domhnaill  's  clann  Ghilleathain 
's  an  seorsa  sin  'n  an  rioghalaich,  agus  dh'  fhag 


MACCAILEIN  MOR  AGUS  MONTROS 


3 


e  na  Caimbeulaich  air  a  chaochladh,  's  chuir  sin 
na  Gaidheil  bochda,  's  cha  b'  ann  airson  a' 
cheud  uair  no  an  uair  mu  dheireadh,  gu 
milleadh  a  cheile.  Agus,  gu  seanchas  fada 
dheanamh  goirid,  thainig  Gilleasbuig  Caim- 
beul  gu  bhi  ro  ainmeil  air  ceann  luchd  na 
Cleire  agus  thainig  Seumas  Greum  gu  bhi 
'na  shinealair  an  righ  an  Alba  ;  agus  mar 
sin  tha  iad  agus  deagh  ainm  agus  droch  ainm 
aca  le  cheile. 

Theireadh  cuid  gu'm  bu  duine  gionach  sann- 
tach  mosach  Gilleasbuig  a  Inbhir-Aora,  agus 
chan  earbadh  feadhainn  an  cuid,  am  beatha, 
no  an  cliii  ris  ;  bha  beachd  an  duine  chealgaich 
aca  air  agus  beachd  a'  ghealtaire  cuide  ris.  Ach 
ged  nach  robh  e  mar  a  bha  fear  is  fear  de 
chinneadh  gleusda  'na  fhear-feachd  sgaiteach, 
bha  e  seasmhach  agus  gle  dhileas  do'n  aobhar 
a  lean  e,  agus  bha  beachd  an  fhior-chriosdaidh 
air  an  Eaglais  Alba. 

Theireadh  cuid  mu  Mhontros  nach  robh  e 
seasmhach  ;  gu'n  do  threig  e  Cleir  is  cairdean 
's  gu'n  do  dh'  atharraich  e  a  chota,  ach  theireadh 
an  Greumach  e  fhein  gu'n  do  rinn  e  na  rinn  e 
gu  cuiseach  coguiseach,  agus  bha  aobhair 
mhaiseach  aige  air  a  bhi  ag  radh  sin  ;  ach 
theireadh  an  saoghal  a  chuala  cliii  an  duine, 
gu  ire  bheag,  gur  e  duine  eireachdail  duineil 
smiorail  a  bh'  ann.  Dhearbh  e  gu  sgiobalta 
gu'n  robh  sgoil-airm  aige  a  bha  tearc,  's  thainig 
e  gu  bhi  'na  dhragh  's  'na  chiiis-eagail  do'n 
Chleir.  Bha  aobhar  aca  air.  Is  gann  gu'n  d' 
fhuaradh  lorg  air  feachd  bu  tapaidhe  na  feachd 
Mhontrois  air  an  robh, 

Na  fir  mhora  bu  mhor  alladh 
Ri  linn  Alasdair  's  Mhontrosa 

aig  a'  bhard.  Chaidh  na  cathan  le  Montros  ach 
is  ann  le  Mac  Cailein  a  chaidh  an  cogadh  ;  agus 
mu  dheireadh  rug  iad  air  Montros  agus  chroch 
iad  e  an  Duneideann.  Bu  mhasladh  mhor  leis 
an  duine  uasal  bas  na  croiche  ach  cha  tugadh 
a  naimhdean  a  luigheachd  dha  na  bheireadh 
iad  a'  mhiann  's  an  tuagh  dha:  ach  cha  do  mhill 
sin  a  chliii,  oir  b'  uasal  fearail  ciiiin  a  choltas 
's  a  dhoigh  a'  dol  a  chum  na  croiche,  air  a 
sgeadachadh  gu  h-eireachail  grinn,  aig  aois  ochd 
bliadhna  deug  thar  fhichead.  Tha  e  air  aithris 
gun  do  sheall  e  air  Gilleasbuig  Caimbeul  anns 
an  dol  seachad  agus  gu'n  tug  an  Caimbeulach 
ceum  air  ais.  "  Bu  bheae;  an  t-ion^hnadh," 
arsa  saighdear  Sasunnach,  "  ged  nach  toireadh 
iad  comhdhail  dha  a  thug  na  seachd  bliadhna 
bh'  ann  's  nach  gabhadh  iad  orra  sealltainn  air 
anns  an  aghaidh."  So  cainnt  a  fhuaradh  aige 
aig  bonn  na  croiche,  "  Chan  'eil  mi  ach  a' 
leantainn  solus  mo  choguis,  mo  riaghailt-iiiil,- 
ni  aig  a  bheil  conihnadh  oibreachadh  an 
Spioraid  Naoimh  a  tha  an  taobh  a  stigh  dhiom. 
Tha  mi  'g  a  mholadh  gu  bheil  mi  dol  gu  neamh 
le  aoibhneas  air  an  t-slighe  dh'ullaich  E  fa'm 


chomhair.  Ma  thug  E  dhomh  fuasgladh  o  eagal 
bais  agus  misneachd  is  muinghinn  gu  bhi  dliith- 
ghlacadh  bais  anns  a'  chruth  as  iargalta,  gu'n 
robh  Dia  air  a  ghlorachadh  anns  a'  chrich  ged 
a  bhiodh  e  a  chum  mo  dhamnaidh.  Gidheadh 
chan  ann  o  eagal  no  o  chion-muinghinn  a  tha 
mi  'sf  radh  so  ach  mar  dhleasdanas  do  Dhia  agus 
mar  ghradh  d'a  shluagh.  Chan  eil  an  corr 
agam  ri  radh  ach  gu  bheil  mi  a'  sireadh  bhur 
graidh  agus  bhur  n-iirnuighean  agus  bidh  m' 
iirnuigh  air  bhur  son-sa  uile.  Tha  mi  a'  fagail  • 
m'  anama  aig  Dia,  mo  sheirbhis  aig  mo 
phrionnsa,  mo  dheagh-ghean  aig  mo  chairdean, 
mo  ghaol  's  mo  gradh  agaibh  uile.  .  .  ." 

Is  i  chainnt  mu  dheireadh  a  fhuaradh  aige, 
"  Gtin  deanadh  Dia  trbcair  air  an  diithaich 
anrach  so." 

Ach  chaidh  car  eile  anns  an  dan,  agus 
thionndaidh  am  blaths  gu  nimh-fhuachd  air  a' 
Chleir,  's  bha  an  toir  air  an  larla  Dhuibhneach 
's  chaidh  esan  e  fhein  a  ghlacadh  agus  binn  a 
bhais  a  thoirt  a  mach — "  A  cheann  a  bhi  air 
a  sgaradh  o  cholainn  aig  crois  Dhuneideann, 
agus  a  cheann  a  bhi  air  a  chur  an  sas  anns  an 
aite  sin  anns  na  chuireadh  ceann  Mhontrois  air 
tiis."  "  Chuir  mi,"  arsa  e  fhein,  "  an  criin  air 
ceann  an  righ  ach  a  nis  tha  e  'g  am  ghreasad 
gu  crim  as  fhearr."  "  Dh'  fheuch  mi,"  ars' 
esan,  "  ri  folach  a  chur  air  maitheas  an  Tighearna 
ach  cha  dean  e  a'  chilis.  Tha  mi  a'  cur  mo 
chiiisean  an  ordugh  agus  tha  Dia  a'  cur  seula 
ri  mo  choir  air  oighreachd  as  fhearr.  Tha  e 
an  drasda  ag  radh  rium,  '  A  mhic  biodh  deagh 
mhisneachd  agad ;  tha  do  pheacaidhean  air  am 
maitheadh  dhuit.'  " 

Air  iirlar  an  dith-cheannaidh  thuirt  e  mar  so, 
"  Tha  mi  a'  beannachadh  an  Tighearna.  Tha 
mi  a'  toirt  maitheanas  do  na  h-uile  agus  tha 
mi  ag  iarraidh  maitheanais." 

Nach  e  Montros  a  dh'  fhaodadh  diithaich  an 
anraidh  a  radh  rithe  ;  agus  nach  ann  do  dhaoine 
bhuineadh  a  bhi  taingeil  air  son  sith  is  sochairean? 
Dh'  fhalbh  an  t-anradh  ud.  Is  neonach  na 
daoine  nach  faic  am  feahhas  a  thainig  air 
diithaich  's  air  daoine,  agus  is  fior  a  thuirt  am 
facal  o  shean,  "Tha  adhaircean  mora  air  a' 
chrodh  tha  fad'  as."  Agus  cha  bhuan  gach  uile 
channtrachd,  oir  feuch  an  uaigh  ! 

Theid  crioch  air  dragh  luchd  euceirt  innt'  's  gheibh 

daoine  sgith  innt'  clos. 
Innte  cha  chaoidh  am  priosanach  ni's  mo  mar  fhuair 

e  chlaoidh  ; 
Cha  dochuinn  smachd  an  droch  righ  bhuirb  's  is  balbh 

guth  mhilltfhir  dhaoi. 
Tha  lag  is  laidir  beag  is  mor  co-shint',  's  an  uaigh  le 

cheil', 
Tha  naimhdean  samhach  taobh  ri  taobh  is  luchd  na 

comhstri  reidh. 

Calum  MacGilleathain. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


Cainnt  mhathaireil  Chriosd 

THA  moran  de  dhaoine  an  diiil  (daoine  gun 
sgoil)  gur  e  Eabhra  a'  chanain  a  labhair 
Criosd  an  uair  a  bha  e  air  thalamh.  Tha  fhios 
aca  gu'm  b'e  ludhach  a  bha  ann  a  reir  na  feola, 
agus  gu'm  b'e  Eabhra  cainnt  nan  ludhach. 
Ach  chaill  na  h-Iudhaich  an  seann  chanain 
fada  fada  roimh  theachd  Chriosd. 

Ann  an  laithean  Chriosd  rachadh  aig  a'  mhor- 
chuideachd  de  na  h-Iudhaich  air  da  chanain  a 
labhairt,  Aramaic  is  Greigis,  direach  mar  a 
theid  aig  a'  mhor-chuideachd  de  na  Gaidheil  air 
GaidhHg  is  Beurla  a  labhairt.  Tha  e  gle  choltach 
gu'n  rachadh  aig  Criosd  air  an  da  chanain  ud  a 
labhairt,  ach  tha  na  sgoilearan  an  duil  gur  e 
Aramaic  a'  chainnt  anns  an  do  theagaisg  e. 
Chan  urrainnear  a  radh  gu  bheil  so  cho  cinn- 
teach  ris  a'  bhas,  ach  tha  e  cinnteach  gu  leor. 

Ann  an  tri  aitean  ann  an  soisgeul  Mharc  tha 
na  dearbh  bhriathran  a  labhair  e  air  an  toirt 
dhuinn,  litreachadh  Greigis  air  facail  a  labhair 
e  ann  an  Aramaic ;  talitha  cumi  (v.  41)  ;  Eph- 
phata  (vii.  34)  ;  Eloi,  eloi,  lama  sahachtani  (xv.  34). 

O  rud  no  dha  ann  an  Gniomharan  nan  Abstol 
faodar  a  thuigsinn  gur  e  Aramaic  cainnt 
chumanta  an  t-sluaigh  ann  an  Jerusalem  mu'n 
am  anns  an  robh  Criosd  beo.  Anns  an  naigh- 
eachd  a  tha  air  innseadh  mu  ludas,  a  chean- 
naich  fearann  le  duals  na  h-eucorach,  tha  e 
air  a  radh,  "  Agus  rinneadh  so  aithnichte  do 
luchd-aiteachaidh  lerusaleim  uile,  air  chor  agus 
gu'n  abrar  ris  an  fhearann  sin  'n  an  cainnt  fein, 
Aceldama.  Is  e  facal  Aramaic  a  tha  ann  an 
Aceldama  ;  bha  Aramaic  cho  cumanta  'n  am 
measg  's  gu'n  abradh  iad  an  cainnt  fein  rithe. 
Ma  dh'  fheoraichear  c6  ris  a  bha  Aramaic 
coltach,  no  cia  as  a  thainig  i,  chan  urrainn  mise 
a  radh  ach  gu  robh  cairdeas  aice  ri  Eabhra  mar 
a  tha  cairdeas  aig  Gaidhlig  Albannach  an  la 
diugh  ris  an  t-seann  Ghaidhlig  Eireannach. 

Tha  na  soisgeulan  air  an  sgriobhadh  ann  an 
Greigis,  air  chor  agus  nach  e  briathran  Chriosd 
a  tha  againn  annta,  ach  briathran  Chriosd 
air  an  eadar-theangachadh.  Anns  a'  BhiobuU 
Ghaidhlig  agus  anns  a'  Bhiobull  Bheurla  tha 
an  t-eadar-theangachadh  so  air  eadar-thean- 
gachadh a  ris,  rud  a  tha  'ga  dheanamh  gle 
dhuilich  air  uairean  a  bhi  cinnteach  ciod  a  bha 
Criosd  a'  ciallachadh.  Tha  doigh-bruidhne 
dhaibh  fein  aig  gach  sluagh  is  duthaich  ;  chan 
'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  fhasa  na  duine  a 
thogail  cearr  an  uair  a  chluinneas  no  leughas 
sinn  a  bhriathran  ann  an  cainnt  eile  seach  ar 
canain  mhathaireil  fein. 

Cainnt  agus  smuain 

Tha  e  duilich  do  dhuine  a  smuaintean 
diomhair  no  fhiosrachadh  spioradail  a  thoirt 
do  dhuine  eile  a  chionn  nach  'eil  ann  an  cainnt 


ach  inneal  mhaol.  Chan  'eil  ann  am  briathran 
ach  briathran  fhein  ;  doigh  chriibach  (ged  is 
i  an  doigh  as  f  hearr  a  tha  againn)  air  ar  faireach- 
duinnean  agus  ar  smuaintean  a  dheanamh 
aithnichte  do  dhaoine  eile,  is  faodar  a  radh  gur 
ann  o  mhaolachd  na  cainnte  agus  o  chrubaiche 
na  bruidhne  a  tha  moran  de  na  duileadasan 
agus  de'n  chonsachadh  a  chluinnear  mu  nithean 
spioradail  ag  eirigh.  An  uair  a  dh'  fheuchas 
daoine  ri  dealbh  is  cumadh  a  thoirt  do  shaoghal 
agus  do  nithean  a  tha  neo-fhaicsinneach  is 
maith  an  gnothuch  mur  dean  iad  sin  ann  an 
doigh  cho  tuathal  's  nach  fhaic  agus  nach  tuig 
daoine  eile  an  dealbh  sin.  Chan  'eil  e  furasda 
na  nithean  a  bhuineas  do'n  t-saoghal  spioradail, 
nithean  a  tha  neo-fhaicsinneach,  neo-chrioch- 
nach,  is  siorruidh,  a  chur  ann  an  cainnt  a 
bhuineas  do'n  talamh  agus  do  thaobh  an  teine. 
Feumar  a  dheanamh  gun  teagamh,  ach  an  uair 
a  dh'  fheuchar  ris,  tha  cunnart  ann  gu'n  abrar 
rud  nach  eilear  a'  ciallachadh. 

Dh'  fhaodainn  so  a  shoillearachadh  ann  am 
fichead  doigh  as  a'  Bhiobull ;  dh'  fhaodainn  a 
shoillearachadh  o  aon  fhacal  a  bhios  daoine 
gu  trie  a  cleachdadh,  fuil  losa,  ach  gabhaidh 
mi  am  facal  ud  a  labhair  Pol,  Ma  dk'  eirich  sibh 
tnaille  ri  Criosd,  iarraihh  na  nithean  a  tha  shuas, 
far  a  hheil  Criosd  'n  a  shuidhe  aig  deas  laimh  Dhe. 

Ciod  a  bha  Pol  a'  feuchainn  ri  cainnt  a  chur 
air,  an  uair  a  thubhairt  e,  ma  dh'  eirich  sibh 
maille  ri  Criosd,  ri  daoine  nach  robh  fhathast 
marbh  ?  Ma  their  thu  gu  robh  iad  marbh  ann 
am  peacadh  ciod  a  tha  sin  fein  a'  ciallachadh  t 
Co  ris  a  their  thu  na  nithean  a  tha  shuas  ?  an 
uair  a  tha  speuradairean  ag  innseadh  dhuinn 
nach  'eil  shios  no  shuas  idir  ann.  Is  spiorad 
Dia,  spiorad  aig  nach  'eil  cas  no  lamh  ;  is 
spiorad  Criosd  mar  an  ceudna  ;  ciamar,  ma  ta, 
a  tha  Criosd  'n  a  shuidhe  aig  deas  laimh  Dhe  ? 

Uair-eigin  de'n  t-saoghal,  an  uair  nach 
b'aithne  do  dhaoine  ionnsaichte  nithean  as 
aithne  do  na  balaich  bheaga  an  diugh,  bha  na 
facail  shios  is  shuas  a 'ciallachadh  rud  sonraichte  ; 
bha  iad  an  diiil  gu'm  b'e  an  saoghal  so  teas- 
meadhoin  a'  chruthachaidh  ;  gu  robh  e  air 
a  shuidheachadh  gu  neo-ghluasadach  air  an 
aigeann  ;  na  speuran  os  a  chionn  agus  Dia  is 
neamh  os  cionn  nan  speur,  agus  ifreann  shios 
foidhe.  B'e  sin  an  dealbh  a  bha  fa  chomhair 
inntinnean  nan  daoine  a  sgriobh  am  BiobuU, 
agus  a  chionn  gu  robh  an  dealbh  so  'n  an 
inntinnean  bha  na  briathran  a  chleachd  iad 
mu  neamh  agus  mu  ifreann,  shios  is  shuas, 
freagarrach  gu  leor  ;  co  dhiu  cho  freagarrach 
ri  briathran  air  bith  eile  a  b'  urrainn  iad  fhao- 
tainn.  Ach  ged  tha  sinne  a'  cleachdadh  nam 
briathran  an  diugh  fhathast  chan  'eil  sinn  a' 
ciallachadh  leo  an  rud  a  bha  iadsan  a'  ciallachadh 
leo,  oir  tha  fhios  againn  nach  e  an  saoghal  so 


ANNS  A'  CHATHAIR 


teas-meadhoin  a'  chruthachaidh  ;  nach  'eil 
ann  ach  planaid  bheag  am  measg  phlanaidean 
as  motha,  agus  iad  uile  a'  siubhal  gun  sgur 
troimh  fharsuingeachd  neo-chriochnach.  Ann 
an  dealbh  a'  chruthachaidh  a  tha  na  speura- 
dah-ean  a'  cur  fa  chomhair  ar  n-inntinnean 
an  diugh  chan  'eil  aite  idir  ann  do  na  facail 
shios  is  skuas  ;  ann  an  saoghal  a  tha  cruinn 
chan  e  an  aon  aird  anns  an  rachadh  muinntir 
Astraha,  na'n  rachadh  iad  suas,  's  a  rachadh 
muinntir  Bhreatuinn  ;  ruigeadh  an  dara  feadh- 
ainn  neamh  agus  an  fheadhainn  eile  an  t-aite 
nach  robh  iad  a'  ciallachadh  dol  ann.  Na  h- 
abair  niata,  Feuch  an  so,  no  feuch  an  sin,  oir 
feuch,  tha  rioghachd  Dhe  an  taobh  a  stigh  dhiot. 
An  uair  a  smuainicheas  tu  air  Dia  chan 
urrainn  duit  gun  labhairt  uime  anns  a'  cheart 
chainnt  anns  am  bi  thu  a'  labhairt  mu  ghno- 
thuichean  an  t-saoghail  agus  mu  nithean 
faicsinneach,  ged  tha  fhios  agad  gu'm  faod  a' 
chainnt  sinn  dealbh  cearr  a  thogail  fa  chomhair 
t'inntinn. 

Ler  tuigse  ihana  's  dlomhain  duin?i 

Bhi  sgriidadh  chuain  a  ta  gim  chrioch  ; 

An  litir  's  lugha  dh'  ainm  ar  De 

Is  tuille  's  luchd  d'ar  reuson  i. 

Gaidhlig  is  teagasg 

Bho  na  tha  mi  a'  bruidhinn  air  cainnt  co 
dhiu,  agus  air  cho  duilich  'sa  tha  e  smuain  na 
h-inntinn  is  aigne  a  chridhe  a  chur  ann  an 
briathran  a  fhreagras  daibh,  faodaidh  mi  a 
radh  cuideachd  nach  'eil  anns  a'  Ghaidlig  ach 
cainnt  bhochd  is  chearbach  air  son  teagaisg. 
Theagamh  nach  'eil  e  glic  dhomh  so  a  radh, 
agus  gu'n  saoil  cuid  gur  ann  a'  cur  sios  air 
cainnt  mo  mhathar  a  tha  mi.  Chan  ann  idir  ; 
sin  an  rud  mo  dheireadh  a  dheanainn,  ach  ma 
b'  fhearr  leat  mi  'ga  chur  ann  an  doigh  eile, 
cuiridh  mi  mar  so  e,  gu  bheil  mi  fhein  agus  a 
h-uile  ministear  an  Albainn  a  bhios  a'  teagasg 
ann  an  Gaidhlig  cho  cearbach  innte  's  nach 
urrainn  duinn  sin  a  dheanamh  gu  cothromach. 
Chan  e  sin  a  mhain  ach  tha  an  sluagh  a  bhios 
ag  eisdeachd  ruinn  cho  cearbach  innte  iad 
fein  's  nach  tuigeadh  iad  sinn  ged  bheireamaid 
teagasg  cothromach  dhaibh. 

Tha  aobhar  no  dha  air  so,  ach  is  e  an  t-aobhar 
sonraichte  gu'n  do  stad  a'  Ghaidhlig  Albannach 
de  fhas  o  chionn  fhada.  Tha  an  saoghal  agus 
rioghachd  an  eolais  a'  fas  gun  sgur,  agus  feum- 
aidh  canain  fas  cuideachd  ma  tha  i  ri  bhi  'n  a 
ball-acf  huinn  leis  an  dean  daoine  obair  choimh- 
lionta.  Cha  ghabh  sin  deanamh  leis  a'  Ghaidhlig 
an  diugh  ;  is  mor  an  diobhail  nach  gabh,  ach  is 
e  coire  ar  daoine  fein  a  tha  ann.  Leig  iad  an 
searg  innte  gus  nach  urrainn  iad  an  diugh  dad 
a  dheanamh  leatha  ach  an  la  a  mholadh  d'a 
cheile  ;  an  uair  a  theid  iad  gu  seanchas  as 
doimhne  na  sin  bheir  iad  tarruing  air  a'  Bheurla. 

Theagamh  gu  bheil  so  rud  beag  ro  laidir  ach 


air  a  shon  sin  tha  e  'n  a  chiiis-iomguin  nach 
urrainn  gu  leoir  de  luchd-teagaisg  anns  a' 
Ghaidhealtachd  an  diugh  dad  iir  a  radh  ris  an 
t-sluagh  a  chionn  nach  'eil  cainnt  aca  anns  an 
cuir  iad  e.  Tha  cainnt  aca  anns  an  cuir  iad 
na  seann  nithean,  is  leanaidh  iad  orra  Sabaid 
as  deidh  Sabaid  is  bliadhna  as  deidh  bliadhna, 
a'  seinn  aon  dan  agus  aon  duan.  Chan  'eil  sin 
maith  do  choimhthional  air  bith  ;  chan  e  aon 
dan  no  aon  duan  a  tha  dhith  orra  ach  uile 
chomhairle  Dhe  agus  gach  uile  eolas  a  bhuineas 
d'a  rioghachd. 

Ma  sheallas  tu  air  na  cuspairean  air  am  bi 
Gaidheil  a'  bruidhinn  aig  na  ceilidhean  agus 
na  coinneamhan  a  bhios  aca  anns  na  bailtean 
mora,  agus  anns  na  bailtean  beaga  anns  a' 
Ghaidhealtachd  cuideachd,  chi  thu  gur  e  na 
h-aon  chuspairean  a  tha  aca  o  chionn  fichead 
bliadhna  ;  chan  'eil  mtighadh  ann  co  dhiu  a 
bhios  tu  an  Glaschn,  no  an  lonar-nis,  no  an 
Cille-sgumain,  cluinnidh  tu  oraid  mu  Cheilidh 
anns  an  t-seann  t-saoghal,  no  mu  Shean  Fhacail, 
no  mu  Thomhseachain,  no  mu  Thurus  don 
Ghaidhealtachd,  no  mu  Bhliadhna  Thearlaich, 
no  mu  Chalwn-cille,  no  mu  Chleachdaidhean  nan 
Aithrichean,  is  cuspairean  eile  de'n  t-seorsa  sin 
a  fhuair  an  deagh  chireadh  cheana. 

Ciod  is  aobhar  do'n  bhochdainn  so  ?  Tha 
gu  bheil  a'  chainnt  deanta  cheana  anns  an 
labhair  iad  air  na  cuspairean  so  ;  na'n  labhradh 
iad  air  nithean  iira  a  bhuineas  do'n  t-saoghal 
iir,  no  do  rioghachd  an  eolais  agus  nam  beo, 
dh'  fheumadh  iad  maorach  a  dheanamh  air 
an  son  fein,  agus  sgairbh  a  thoirt  a  creagan 
dhaibh  fein  ;  dh'  fheumadh  iad  cainnt  a  lubadh 
ann  an  doighean  iira  gus  am  freagradh  i  d'  an 
smuaintean.  Agus  sin  rud  nach  'eil  furasd 
a  dheanamh  ;  tha  e  cho  duilich  's  gur  e  duine 
anns  an  fhichead  a  dh'  fheuchas  ris. 

Tha  mise  a'  sgriobhadh  Gaidhlig  gach  seach- 
duin  de  mo  bheatha  o  chionn  corr  is  fichead 
bliadhna,  is  tha  mi  an  duil  gu  bheil  e  a  cheart 
cho  furasda  dhomh  teagasg  innte  's  a  tha  e 
do'n  Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  ach 
air  a  shon  sin  cha  bu  mhaith  leam  e  bhi  mar 
fhiachaibh  orm  an  oigridh  a  tha  agam  anns  a' 
chlass  Bhiobuill  a  theagasg  ann  an  Gaidhlig. 
Rachadh  agam  air  da  thrian  de  na  tha  mi  a' 
toirt  dhaibh  am  Beurla  a  thoirt  dhaibh  an 
Gaidhlig  maith  gu  leor,  ach  tha  trian  eile  nach 
b'  urrainn  mi,  agus  gun  aobhar  air  bith  air  a  sin 
ach  duileadas  is  cearbachd  na  cainnte.  Dh' 
fheumainn  cuideachd  cuspairean  sonraichte  a 
sheachnadh  anns  a'  chiibaid  air  son  a'  cheart 
aobhair.  Ged  nach  'eil  mi  cho  cinnteach  as 
mo  bheachd  's  gu'n  abair  mi  air  a  cheann  e,  tha 
amharus  agam  gur  e  cearbachd  na  GaidhHg 
mar  mheadhon-teagaisg  aon  de  na  h-aobhair 
a  tha  deanamh  roinnean  eadar  a'  Ghalltachd 
agus  a'  Ghaidhealtachd  a  thaobh  creidimh  is 
ctiisean  eaglais.     Saoilidh  mi  nach  'eil  an  dara 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


feadhainn  na's  diadhaidhe  na'n  fheadhainn  eile. 
Tha  e  duilich  a  chreidsinn  gu  bheil  na  Gaidheil 
na's  diadhaidhe  na  na  Goill  ;  chan  fhaca  mi 
riamh  comharra  gu  bheil.  An  uair  a  tha  daoine 
a'  sniuaineachadh  anns  an  aon  chainnt  agus 
air  an  teagasg  anns  an  aon  chainnt  tha  iad  a' 
cumail  ceum  ri  cheile,  cas  I'i  eois,  agus  a'  tighinn 


beo  anns  an  aon  t-saoghal.  Ach  an  uair  a  tha 
cuid  dhiubh  air  an  teagasg  ann  an  cainnt  anns 
nach  cluinnear  fuaim  no  fathunn  air  na  nithean 
a  tha  a'  chainnt  eile  a'  giiilan  air  a  sgiathaibh 
cha  bhi  an  aon  cheum  aig  na  daoine  idir,  no  an 
aon  luathas  'n  an  siubhal,  is  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  cha  bhi  iad  anns  an  aon  t-saoghal. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


GED  nach  ann  anns  a'  Choille  Bheithe  a  tha 
mi  a'  sgriobhadh  so  is  ann  anns  a'  Choille 
Bheithe  a  thoisich  mi  air  smuaineachadh  air 
daoine  a  bhios  ag  innseadh  bhreug,  agus  air 
duals  nam  breug.  Theagamh  gur  e  a  thug  an 
rud  gu  m'  inntinn  gu  bheil  na  Socialaich  ag 
radh  gur  e  breugan  nan  Tories  a  chuir  uiread 
dhiubh  a  mach  as  a'  Pharlamaid.  Ach  gu  de 
nach  abair  daoine  mar  lethsgeul  dhaibh  fein  ! 
Cha  chuimhne  leam-sa  taghadh  Parlamaid  o 
chionn  fichead  bliadhna  nach  dubhairt  an 
fheadhainn  a  chaill  dreuchd  gur  e  breugan  na 
feadhnach  eile  a  chuir  a  inach  iad. 

Gun  teagamh  tha  uiread  bhreug  air  an 
innseadh  aig  am-taghaidh  (agus  sin  le  daoine 
a  tha  firinneach  aig  amannan  eile  agus  ann  an 
gnothuichean  eile)  's  gu'm  b'  ion  duinn  eagal 
a  bhi  oirnn  na'n  robh  Dia  a'  buntainn  ri  luchd 
nam  breug  mar  a  rinn  e  air  Gehasi  agus  air 
Ananias  o  shean. 

Ciamar  is  urrainnear  beannachd  Dhe  iarraidh 
air  obair  dhaoine  a  bhios  ag  innseadh  bhreug  ? 
Sin  olc  as  miosa  as  urrainn  duine  a  chur  an 
gniomh  le  theangaidh.  Ged  is  oillteil  an  rud 
toibheum  no  mallachadh  faodar  barrachd 
dochais  altrum  a  thaobh  luchd-mhionn  is 
droch-cainnt  na  dh'  fhaodar  altrum  mu  dhaoine 
nach  'eil  fmnneach.  Theid  daoine  a  steach  do 
rioghachd  Dhe  agus  iomadh  failing  annta,  ach 
cha  teid  daoine  breugach  a  steach  innte.  Cha 
teid,  a  chionn  gur  puinnsean  na  breugan  a 
ffhrodas  cridhe  duine  ffu  h-iomlan.  Tha  cuid 
de  pheacaidhean  a  dh'  fhaodar  a  choimeas  ri 
meang  a  chi  thu  ann  an  ubhall,  no  ann  am  meas 
eile.  Ged  a  tha  meang  innte,  agus  rud  beag 
de  ghrodadh  anns  an  iomall,  tha  an  cridhe  agus 
an  corr  dhith  fallan  gu  leoir.  Faodaidh  duine 
a  bhi  rud  beag  gaolach  air  an  uisge-bheatha 
ach  fhathast  a  bhi  uasal,  glan,  caomhail  'n  a 
nadur  ;  faodaidh  duine  a  bhi  trom  air  mionnan 
ach  fhathast  a  bhi  suairce  is  blath-chridheach. 
Chan  'eil  mise  a'  moladh  nam  failingean  sin 
ann  an  duine  air  bith,  ach  a  thaobh  iomadh 
duine  anns  a  bheil  iad,  tha  e  fior  nach  'eil  iad  a' 
dol  na's.doimhne  na  iomall  a  bheatha  agus  a 
naduir,  agus  gu  bheil  e  fallan  gu  leoir  'n  a 
chridhe,  ged  tha  meang  ann  a  ghabhas  faicinn. 
Ach  tha  luchd  nam  breug  mar  ubhall  a  tha 
grod  anns  a'  chridhe.  Ged  a  dh'  fhaodas  an 
craicionn  a  bhi  slan,  agus  a  dh'  fhaodas  i  bhi 
boidheach  gu  leoir  o'n  taobh  a  muigh,  sgaoilidh 


an  lobhadh  agus  oibrichidh  e  am  bas  uair- 
eigin. 

Air  eagal  gu  'n  saoil  sibh  nach  'eil  mi  a' 
tomhas  mo  bhriathran,  no  gu  bheil  mi  na's 
truime  air  na  breugan  na  tha  Dia  fein,  bu 
mhaith  learn  a  chur  sios  air  an  duilleig  so  ciod 
a  tha  facal  an  Tighearna  ag  radh  umpa. 

Chan  fhuirich  fear-lahhairt  hhreugfa  chomhatr 
mo  skill. 

Tri  nithean  is  fuathach  leis  an  Tighearna, 
uahhar,  is  breugan,  is  dbrtadh  fala  neo- 
chiontach. 

Is  graineileachd  do  'n  Tighearna  hilean  nam 
breug. 

Na  deanaibh  breug  d'a  cheile  do  bhrigh  gu'n  do 
chuir  sibh  dhibh  an  seann  duine. 

Is  fearr  duine  bochd  na  breugaire. 

Cha  bhi  an  teanga  bhreugach  ach  car  tiota. 

Sgriosar  luchd-labhairt  bhreug. 

An  t\  a  labhras  breugan  cha  teid  e  as. 

Aig  na  h-uile  bhreugairean  bithidh  an  cuibhrionn 
anns  an  loch  a  tha  dearg  lasadh  le  teijie  agus 
pronnusc. 

Anns  a'  Bhiobull  tha  e  air  a  radh  gur  e  an 
diabhol  athair  nam  breug.  Theagamh  gu  'n 
d'  fhuair  e  an  tiotal  grannda  sin  a  chionn  gur 
e  a  thoisich  air  na  breugan  an  toiseach.  Is  e 
Satan  a  dh'  innis  a'  cheud  bhreug  air  a  bheil 
iomradh  againn  anns  a'  Bhiobull,  an  uair  a 
thainig  e  gu  Eubh  agus  a  thubhairt  e  rithe 
"  Gu  cinnteach  chan  fhaigh  sibh  bas." 

Ach  ma's  e  Satan  a  dh'  innis  a'  cheud  bhreug 
chan  urrainnear  a  radh  nach  do  lean  clann  nan 
daoine  an  droch  fhasan  a  thug  e  dhaibh,  oir 
tha  cunntas  againn  ann  am  facal  an  Tighearna 
air  iomadh  duine  a  thug  sgrios  air  fein  le 
breugan,  bho  Chain  gu  Ananias. 

Ach  tha  breugan  is  breugan  ann.  Tha 
iomradh  againn  air  cuid  de  na  naoimh  a 
thuislich  anns  a'  cheum  so,  ach  a  rinn  aith- 
reacheas  anns  a'  mhionaid  ;  daoine  a  rinn 
breug  le  tuiteamas,  no  a  bha  air  an  toirt  a 
thaoibh  le  buaireadh  obann.  Chan  ionnan 
daibh  sin  idir  agus  do  'n  t-seorsa  dhaoine  eile 
a  tha  air  am  beo-ghlacadh  le  spiorad  nam 
breug  ;  daoine  a  thig  a'  bhreug  gu  am  bilean 
cho  furasda  ris  an  fhirinn.  Thuislich  Abraham, 
is  lacob,  is  Daibhidh,  is  Peadar,  uair-eigin  nam 
beatha  agus  dh'  innis  iad  breug,  peacadh  a 
dhiol  iad  gu  goirt  air  a  shon,  ach  cha  b'  urrainn 
duine  air  bith  a  chur  as  an  leth  nach  bu  daoine 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


firinneach  iad.  Eadhon  an  uair  a  bha  a'  bhreug 
air  am  bilean  b'  ionmhuinn  leo  an  fhirinn  an 
taobh  a  stigh. 

Ach  tha  an  seorsa  eile  calg-dhireach  'n  a 
aghaidh  so,  agus  eadhon  an  uair  a  tha  an 
fhirinn  air  am  bilean  (agus  bithidh  air  uair e  an) 
is  ionmhuinn  leo  ceilg  is  breugan  an  taobh  a 
stigh.  B'  ami  de'n  t-seorsa  so  Gehasi  ;  duine 
cho  min,  sleamhain,  trathtach,  's  a  tha  iomradh 
againn  air  anns  a'  Bhiobull.  Tha  e  furasda  gu 
leoir  dhuit  a'  bhreug  aithneachadh  ma  tha 
duine  cneasda  'ga  h-innseadh  ;  chan  urrainn 
da  a  dheanamh  gun  dol  gu  glugail  is  gagail, 
agus  gun  an  fhuil  a  thighinn  'n  a  aodann.  Ach 
cha  robh  gagaiche  air  bith  ann  an  Gehasi  an 
uair  a  dhealbh  e  a'  bhreug,  agus  cha  mho  a  dh' 
atharraich  e  dath.  Bha  ealain  aige  orra,  oir 
bha  e  suas  r'  an  deanamh,  agus  ann  an  larach 
nam  bonn  dheanadh  e  suas  naigheachd  a 
bheireadh  an  car  a  Satan  fein. 

Nach  bu  dealbhach  an  naigheachd  a  dh' 
innis  e  do  Naaman,  an  uair  a  shanntaich  e  an 
duais  fhaotainn  bhuaith  nach  gabhadh  Elisa, 
an  duine-uasal  agus  am  faidh  a  bu  mhaighstir 
da  !  Ack  dean  an  t-olc  is  fan  ra  dheireadh. 
Rinn  Gehasi  an  t-olc,  agus  tha  facal  an  Tig- 
hearna  ag  innseadh  dhuinn  gu'n  deachaidh  e  a 
mach  a  fianuis  Elisa  'n  a  lobhar,  geal  mar 
shneachd.  Lean  luibhre  Naamain  ris  fein  agus 
ri  shliochd  gu  brath. 

Ach  bha  am  peanas  a  b'  uamhasaiche  a  bha 
riamh  air  a  dheanamh  air  son  bhreug  air  a 
dheanamh  air  Ananias  agus  air  a  mhnaoi.  Cha 
ruigeadh  Ananias  a  leas  a'  bhreug  ud  innseadh, 
ach  bha  e  an  da  chuid  'n  a  dhuine  feineil  agus 
'n  a  dhuine  gionach,  agus  gle  bhitheanta  sin 
da  thobar  as  an  eirich  spiorad  nam  breug.  Ma 
chumas  tu  do  shtiilean  fosgailte  chi  thu  gur 
trie  le  daoine  sanntach  a  bhi  breugach,  agus  le 
daoine  feineil  aig  a  bheil  inntinn  dhiomhain. 
Na'n  dubhairt  Ananias  ri  Peadar,  "  Reic  mi  m' 
oighreachd  air  son  suim  shonraichte,  agus  tha 
mi  a'  toirt  an  uiread  so  air  son  obair  an  t-soisgeil, 
ach  tha  mi  a  gleidheadh  trian  mhaith  de  'n 
phris  dhomh  fein,"  tha  mi  gle  chinnteach  nach 
h-abradh  Peadar  gur  olc  a  rinn  e,  agus  gu'n 
tugadh  e  taing  da  air  son  a  thabhartais.  Ach 
cha  do  rinn  Ananias  sin  ;  tha  e  coltach  gu  'n 
do  rinn  e  fein  agus  a  bhean  suas  eatorra  gu  'n 
tugadh  iad  an  car  as  na  h-abstoil,  agus  gu  'm 


faigheadh  iad  ainm  air  son  fialaidheachd  nach 
do  thoill  iad. 

Ged  tha  moran  dhaoine  am  beachd  gur  e 
Dia  a  leag  Ananias  as  a  sheasamh,  mar  bhreith- 
eanas  air  son  na  breige  a  dh'  innis  e,  tha  mi  an 
duil  nach  ruigear  a  leas  gniomh  cho  garbh  sin 
a  chur  as  leth  an  Tighearna.  Theagamh  gu 
robh  dx'och  cridhe  aig  Ananias  co  dhiu,  agus 
gu  'n  do  leum  a  chx-idhe  as  a  chochall  an  uair  a 
chronaich  Peadar  e  ann  an  cainnt  cho  gabhaidh, 
"  c'ar  son  a  lion  Satan  do  chridhe  a  dheanamh 
breige  do  'n  Spiorad  Naomh  ?  "  Na'n  robh 
Dia  a'  leagadh  as  an  seasamh  a  h-uile  duine  a 
dh'  innseas  breug  bhiodh  sluagh  an  t-saoghail 
air  an  tanachadh  gu  maith  tana,  ach  chan  e  sin 
doigh  an  Tighearna.  Tha  eagal  ann  an  cridhe 
an  aingidh  daonnan  ;  bheir  tionndadh  na 
duilleig  air  clisgeadh,  agus  ma  bha  cridhe 
Ananias  air  chrith  leis  an  eagal  an  uair  a 
chaidh  e  air  beulaobh  Pheadair,  dheanadh 
cainnt  is  coslas  Pheadair  (air  an  robh  corruich 
dhiadhaidh)  an  corr. 

Ach  ciod  air  bith  a  b'  aobhar  bais  da  ghabh 
an  eaglais  6g  e  mar  bhreitheanas  o  Dhia,  agus 
is  e  sin  a  bha  ann,  peanas  a  dhroch  shligheanna 
fein.  "  Thainig  eagal  mor  air  an  eaglais  uile, 
agus  air  na  h-uile  a  chuala  na  nithe  so."  Bha 
e  feumail  gu'm  faiceadh  an  eaglais  ann  an 
tiis  a  toiseachaidh  olcas  nam  breug,  agus  gu  'n 
gabhadh  daoine  an  rabhadh,  gur  crioch  do  'n 
pheacadh  am  bas. 

Tha  an  sean-fhacal  ag  radh,  Cha  robh  hreugach 
nach  robh  bradach,  agus  ged  is  searbh  an  radh 
e,  tha  caob  mhaith  de  'n  fhirinn  ann,  oir  chan 
urrainnear  dol  an  urras  air  a'  bhreugaire.  Mar 
sin  bu  choir  do  pharantan  an  f  hior  aire  a  thoirt 
nach  leig  iad  seachad  an  clann  gun  am  pean- 
asachadh,  ma  rinn  iad  breug.  Ma  tha  clann 
a'  fas  suas,  gun  suim  aca  do  'n  fhirinn,  mo 
thruaighe  iad  fein  agus  am  parantan  ! 

Anns  an  t-salm  anns  a  bheil  an  salmadair 
ag  innseadh  c6  a  sheasas  ann  am  pailliunn  an 
Tighearna  tha  e  ag  ainmeachadh  mar  aon  de 
chomharraidhean  an  duine  dhiadhaidh,  gu  'n 
labhair  e  an  fhirinn  'n  a  chridhe.  Amhaircidh 
an  saoghal  air  an  taobh  a  muigh,  ach  amhaircidh 
Dia  air  a  chridhe,  agus  chan  e  mhain  gu  bheil 
e  ag  iarraidh  firinn  'n  ar  bilean  ach  tha  e  ag 
iarraidh  firinn  's  an  taobh  a  stigh  mar  an 
ceudna. 


Aoradh  an  tigh  an  Tighearna 


BHA  mi  an  latha  roimhe  air  falbh  sgriob 
bho'n  tigh  agus  c6  a  thachair  orm  ach  mo 
charaid  ionmhuinn  an  t-Urramach  Alasdair 
MacDhomhnuill  a  Sgire  Cill-Pheadair.  Chuir 
sinn  failte  chridheil  air  a  cheile,  oir  tha  iiine 
mhor  bho  nach  do  choinnich  sinn.  Thoisich 
sinn  air  comhradh  air  iomadh  ni  agus  gu  son- 


ruichte  air  a'  chuspair  so,  Aoradh  an  tigh  an 
Tighearna. 

Leig  Mghr  Alasdair  a  shaorsa  rium  agus 
thuirt  e,  "  'Se  am  uamhasach  anns  a  bheil  sinn 
beo,  ged  tha  cuidann  a  tha  de'n  bheachd  gur  ann 
na's  fearr  tha  daoine  a'  dol.  Is  e  am  beachd  a 
ta    affam    fein  nach    robh    daoine    riamh    cho 


8 


AORADH  AN  TIGH  AN  TIGHEARNA— LAOIDH  FHEASGAIR 


caoin  shuarach  mu  aoradh  a  dheanamh  aim  an 
tigh  an  Tighearna  agus  a  ta  iad  an  diugh. 

"  Smuainich  fein  an  t-eud  diadhaidh  a 
bhiodh  air  ar  n-aithrichean  anns  na  laithean  a 
dh'fhalbh  a'dol  suas  a  dh'ionnsuidh  tigh  an 
Tighearna.  Bhiodh  iad  ag  radh  'nan  cridh- 
eachan  mar  thuirt  an  Salmadair  bho  shean, 

Bha  aoibhneas  orm  trath  thubhairt  iad, 
Gu  tigh  Dhe  theid  sinn  suas  ! 

"  Ach  tha  an  gineal  iir  tha  nis  air  eirigh  suas 
caoin  shuarach  mu  fhrithealadh  meadhonan 
nan  gras  ;  tha  a'  chuid  mhor  dhiubh  a'  cur  ciil 
ri  Dia,  agus  'se  glag  gaire  a  ni  iad  'nuair  a  ni 
thu  luaidh  air  nithean  naomha.  'Nuair  a  thig 
Di-Domhnaich  mu'n  cuairt  's  ann  a  bheir  iad 
an  aghaidh  air  raointean  sgaoilte  agus  air 
monaidhean  arda.  Bidh  iad  an  sin  ri  baoth 
shizgradh  agus  ri  comhradh  amaideach,  's  gun 
aon  smuain  aca  air  aoradh  a  dheanamh  do 
Dhia.  Sin  agad  an  seorsa  creidimh  ris  an  abair 
mise,  creideamh  an  eich.  Chan  'eil  iad  idir 
a'  toirt  fanear  gu  bheil  na  laithean  agus  na 
bKadhnachan  a'  dol  seachad  'n  an  siubhal. 
Chan  'eil  speis  aca  do  Dhia  no  do  mhinisteir ;  no 
smuain  air  bas  no  breitheanas,neamh  no  ifrinn." 
"  Bha  mi  an  latha  roimhe,"  arsa  Mghr 
Alasdair,  "  a'  tadhal  air  cuid  de'n  choimhthional 
agam  agus  bha  caraid  an  sin  nach  faca  mi  bho 
chionn  fada  anns  an  eaglais.  Chuir  mi  romham 
tadhal  orra  feuch  ciod  a  bha  cearr.  'Nuair  a 
chaidh  mi  a  steach  fhuair  mi  bean  an  tighe  'na 
suidhe  aig  bord,  taod  m'a  ceann,  agus  i  ag 
eisdeachd  ri  sanais-adhair  a  fhuair  iad  bho 
chionn  ghoirid.  An  deidh  dhomh  failte  a  chur 
oirre  thuirt  mi  rithe,  Carson  a  tha  thu  fein 
agus  an  duine  agad  air  leigeil  dhibh  gu  tur  dol 
a  dh'  ionnsuidh  meadhonan  nan  gras  ?  Nach 
'eil  fhios  agaibh  gur  coir  dhuibh  dol  ann  am 
feadh  's  a  ta  an  t-slainte  agaibh  agus  sibh  le 
cheile  luath  laidir  ?  "  "  Innisidh  mi  an  fhirinn 
dhuibh,"  ars'  ise,  "  fhuair  sinn  an  sanas-adhair 
(wireless)  so  bho  chionn  beagan  uine  air  ais 
agus  tha  sinn  a'  faotainn  searmoin  a  ta  anabarr- 
ach  briagha,  le  ministirean  mora  a  ta  ainmeil 
an  Albainn  agus  an  Sasunn.  Tha  iad  ag 
cordadh  ruinn  cho  math  oir  theid  againn  air 


AShlan'gheir  ghraidh  mo  ghrian  is  tu  ! 
Chan  oidhche  ach  la  'n  uair  bhios  tu  dliith ; 
Na  h-eireadh  neula,  talmhaidh,  dumh'l, 
'Ga  f  halach  mach  o  bheachd  mo  shiil. 

'N  uair  thuiteas  dealt  a'  chadail  chiiiin, 
'S  gu  seimh  mo  rosgan  sgith  gu'n  diiin, 
Laigheam  le  solas  Ian  de'n  smuain, 
Gu  brath  bhi  sint'  air  uchd  an  Uain  ! 

Fan  leam  o  mhoch  gu  laighe  grein' 
Cha  bhi  mi  beo  as  d'  eugmhais  fein  ; 
Fan  leam  'n  uair  bhios  an  oidhche  fas 
As  d'  eugmhais,  O  na  faigheam  bas. 


laighe  anns  an  leabaidh  agus  eisdeachd  riutha  ; 
mar  sin  chan  'eil  e  mar  fhiachaibh  oirnn  dol  a 
mach  do  eaglais  a  dh'eisdeachd  ri  searmon." 

"  Tha  sibh  fada,  fada,  cearr,"  arsa  mise. 
"  Tha  coir  aig  a  h-uile  neach  aig  a  bheil  comas 
air  dol  do  thigh  an  Tighearna  agus  aoradh  a 
dheanamh  dha.  'S  ann  air  son  sin  a  ta  eaglais- 
ean  ann.  Tha  mi  ag  aideachadh  gur  e  ni 
taitneach  a  ta  ann  eisdeachd  ri  searmonaiche 
mor  agus  fear  aig  a  bheil  deagh  cheann- 
labhairt  :  Ach  cuimhnich  air  so,  cha  choir 
dhuibh  dol  do  thigh  an  Tighearna  air  son 
eisdeachd  a  mhain.  Tha  coir  agad-sa  air  ni 
eigin  a  thoirt  leat  ann  mar  an  ceudna.  Tha 
coir  agad  t'  inntinn  a  shocrachadh  air  na  nithean 
a  ta  shuas  ;  taingealachd  a  bhith  air  do  bhilean, 
agus  buidheachas  'na  do  chridhe  do  Dhia  air 
son  a  nmhaitheis  agus  a  choibhneis  dhuit  ; 
moladh  a  thoirt  dha  air  son  a  thiodhlaic  do- 
labhairt  ann  an  losa  Criosd.  Ma  theid  thusa 
do  thigh  an  Tighearna  agus  na  smuaintean  sin 
'n  ad  chridhe  bidh  driichd  bho  neamh  a' 
tighinn  a  nuas  gu  ro  phailt  air  t'anam.  'An 
do  leugh  thu  riamh  na  briathran  so  mu  Chriosd, 
'Agus  chaidh  e  steach,  mar  bu  ghnath  leis,  air 
la  na  Sabaid  do'n  t-sionagog'.  Ged  b'e  mac 
Dhe  e,  agus  ged  a  thainig  e  a  nuas  bho  neamh, 
cha  robh  e  os  cionn  a  bhith  deanamh  aoraidh 
do  Dhia  an  t-Athair.  Tha  mi  cinnteach  nach 
cual  e  riamh  air  talamh  aoradh  a  bha  leth  cho 
briagha  ris  an  aoradh  bha  e  a'  cleachdadh  bho 
na  h-ainglean  ann  an  gloir,  gidheadh  cha  d' 
thug  sin  air  ciil  a  chur  ri  aoradh  ann  an  tigh  an 
Tighearna  air  talamh.  'S  ma  thig  mise  agus 
thusa  anns  an  spiorad  cheart  do  thigh  an 
Tighearna  chum  aoraidh  a  dheanamh  dha,  tha 
a  ghealladh  fein  againn  gu'm  bi  e  an  sin  a' 
coinneachadh  ruinn,  '  Oir  ge  b'e  aite  a  bheil 
dithis  no  triuir  air  an  cruinneachadh  an  ceann 
a  cheile  am  ainm-sa,  arsa  Criosd,  a  ta  mise  an 
sin  'nam  meadhon.'  " 

"  Tha  mi  ag  iarraidh  maitheanais  oirbh," 
arsa  bean-an-tighe,  "  air  dhomh  a  bhith  dall, 
tha  mi  nis  a'  faicinn." 

Iain  Mac-a-Phearsoin, 
an  Tigh-an-uillt. 

Laoidh  Fheasgair 

Aon  leanabh  seachrain,  bochd  an  diugh, 
Ma  chuir,  le  tarcuis,  cul  ri'd'  ghuth, 
'Na  anam  toisich  obair  ghrais, 
'G  a  dhixsgadh  o  chlos  peacaidh  's  bais. 

An  t-euslan  fair  ;  air  bochd  dean  foir, 
Le  beannachdan  neo-ghann  do  stoir, 
Biodh  cadal  luchd  a'  bhroin  a  nochd 
Mar  chadal  naoidhein  sheimh  gun  lochd. 

Bi  leinn  'n  uair  dh'  fhosglas  sinn  ar  siiil, 
Troimh  'nt-saogh'l  bi  fein  dhuinn  adfhear-iuil. 
Gus  ann  an  cuan  gun  chrich  do  ghraidh 
Am  faighear  sinn  an  Riogh'chd  an  Aigh. 

(3- II    SS