Skip to main content

Full text of "Life and work 1936-1940"

See other formats


Digitized  by  the  Internet  Archive 

in  2011  with  funding  from 

internet  archive 


http://www.archive.org/details/lifework1936194000chur 


^13  3-59 


Aireamh   i 


1936 


MDCCCCXXXVI 


BLIADHNA  mhaith  iir  dhuibh,  a  leugha- 
dairean  uile,  agus  gach  sonas  is  beannachd 
a  chi  Dia  iomchuidh  a  thoirt  dhuibh. 

Tha  ar  laithean  a'  dol  seaehad  mar  sgeul  a 
dh'  innsear,  agus  mur  bi  sinn  curamach  m'  ar 
n-iiine  bithidh  ar  beatha  uile  coltach  ri  fearann 
an  duine  leisg,  Ian  chluaran  agus  fheanntagan. 
Chan  e  mhain  gu  bheil  ar  beatha  goirid  ach 
tha  i  neo-chinnteach  ;  bitheamaid  glic,  ma 
ta,  agus  deanamaid  le  ar  n-uile  chridhe'  agus 
le  ar  n-uile  neart  an  obair  a  thug  Dia  dhuinn 
r'a  dheanamh,  m'  an  tig  an  oidhche  anns  nach 
urrainn  duine  obair  a  dheanamh. 

"  Tha  mi  ag  radh  so,  a  bhraithrean,"  arsa 
Pol,  "  gu  bheil  an  aimsir  goirid  's  na  bheil  ri 
teachd,  ionnus  araon  gu'm  bi  iadsan  aig  a 
bheil  mnathan  mar  nach  biodh  mnathan  aca, 
agus  iadsan  a  tha  ri  gairdeachas  mar  mhuinntir 
nach  'eil  ri  gairdeachas,  agus  iadsan  a  tha  ri 


caoidh  mar  nach  biodh  iad  ri  caoidh,  agus 
iadsan  a  tha  ri  ceannachd  mar  dhaoine  nach 
'eil  a'  sealbhachadh,  agus  iadsan  a  tha  gnatha- 
chadh  an  t-saoghail  so  mar  dhream  nach  'eil  'g 
a  mhi-ghnathachadh,  oir  theid  sgiamh  an 
t-saoghail  so  seaehad." 

"  Thug  e  obair  fein  do  gach  neach." — Marc  xiii.  34. 

"  An  t\  sin  a  tha  leasg  'n  a  obair,  is  brathair  e 
do'n  mhillteir  mhor. — Gnath-fhocail,  xviii.  9. 

"  Bheir   Dia  gach   obair  chum   breitheanais ,   ma's 
■maith  no  ma's  olc  i." — Eccles  xii.  14. 

"  Saothraiche  nach  ruig  a  leas  naire  a  ghabhail." — 
2  Tim  ii.  15. 

"  Ma  sheasas  obair  neach  air  bith,  gheibh  e  duaisJ" — 
1  Cor.  ill.  14, 

"  Mar  chomh-oibrichean   maille  rls-san.'" — 2   Cor. 
vi.  1. 

"  Cuireamaid  an  ceill  ann  an  Sion  obair  an  Tighearn 
ar  Dia." — Ieremiah  11  10. 


A  Bhunait  Sheasmhach 

''''  Athair  na  soillse,  maille  ris  nach  'eil  atharrachadh  no  sgaile  tionndaidh," — Seumas  i.  17. 


AN  toiseach  Dia ;  Dia  ar  Cruithear  a  tha 
beannaichte  gu  siorruidh.  Sin  a'  cheud 
f  hacal  agus  a'  cheud  ainm  a  bu  choir  a  bhi  air 
ar  bilean  air  la  na  Bliadhna  Uire,  ainm  naomh 
an  Tighearn,  a  tha  mar  thiir  ard  agus  mar 
dhidean  do  luchd-turuis  an  t-saoghail  so  a  tha 
ag  iarraidh  gu  saoghal  as  f  hearr. 

Tha  fichead  guth  'n  ar  cluasan,  a'  cur  eagail ' 
oirnn,  agus  ag  innseadh  dhuinn  cho  neo-chinn- 
teach 's  a  tha  ar  ciirsa  fein,  ciirsa  na  rioghachd, 
agus  ciirsa  an  t-saoghail  uile,  air  a'  bhliadhna 
so  ;  ag  innseadh  dhuinn  gu  bheil  comharran 
na  h-an-shide  ri  fhaicinn  anns  gach  aird  de'n 
iarmailt.  Theagamh  gu  bheil,  ach  ciod  uime 
sin  ;  chan  e  sinne  a  tha  riaghladh  an  t-saoghail 
ach  Dia,  Athair  na  soillse,  maille  ris  nach  'eil 
atharrachadh  no  sgaile  tionndaidh.  Tha  na 
timeannan  ag  atharrachadh,  tha  clann-daoine 
ag  atharrachadh,  ach  chan  atharraich  esan,  oir 
tha  e  neo-chaochlaideach  'n  a  ghliocas,  'n  a 
chumhachd,  'n  a  naomhachd,  'n  a  cheartas,  'n 
a  mhaitheas,  agus  'n  a  f  hirinn. 

Tha  cuimhne  agam  f  hathast  an  t-ionghnadh 
agus  an  t-eagal  a  bhiodh  e  a'  cur  orm,  an  uair 
a  bha  mi  'n  am  bhalach  anns  an  sgoil,  a  bhi 
leughadh  ann  an  Leabhar  nan  Ceist  gu 
Dia  neo-chriochnach,  bith-bhuan,  agus 
chaochlaideach  'n  a  bhith  agus  'n  a  nadu, 
cha  b'  urrainn  do  m'  inntinn  bhig  greimeai 
air    na    facail    uamhasach    sin,    ged    bhiol 


daonnan  a'  sgiathalaich  mu'n  cuairt  orra  mar 
bhios  leomann  a'  sgiathalaich  mu  sholus.  Ach 
an  ni  a  bha  'n  a  chiiis-eagail  anns  na  laithean 
ud  tha  e  an  diugh  dhomh  mar  acair  m'  anma, 
gu  bheil  Dia  neo-chaochlaideach  'n  a  nadur,  agus 
anns  an  fhoillseachadh  a  rinn  e  air  fein  'na  Fhacal, 
agus  ann  an  losa  Criosd  a  Mhac. 

Sin  fath  ar  misnich  agus  ar  dochais  an  uair 
a  thionndas  sinn  ar  n-aghaidhean  ris  a'  Bliadhna 
Uir,  agus  gun  fhios  againn  ciod  a  dh'  fhaodas 
a  bhi  aice  fo  a  cleoca  dhuinn  ;  is  e  fath  ar 
misnich  agus  ar  dochais  gu  bheil  sinn  cinnteach 
a  thaobh  Dhe,  cinnteach  gu  bheil  ar  Cruithear 
agus  ar  Fear-saoraidh  an  ni  a  tha  am  Biobull 
agus  na  naoimh  uile  ag  radh  a  tha  e.  "  Ma 
tha  thu  cinnteach,"  arsa  R.  L.  Stevenson,  "  gu 
bheil  riiintean  coibhneil  aig  Dia  do  d'  thaobh 
air  a'  cheann  mu  dheireadh,  bu  choir  dhuit  a 
bhi  sona."  Bu  choir  gun  teagamh,  oir  ma  tha 
Dia  leinn  c6  dh'  fhaodas  a  bhi  'n  ar  n-aghaidh  ? 

Tha  Fhacal  seasmhach  fein  ag  innseadh 
dhuinn  ciod  iad  na  riiintean  a  tha  aig  Dia  d' 
ar  taobh,  agus  an  coibhneas-graidh  a  tha  'n  a 
chridhe. 

aithne  dhomh  na  smuaintean  a  smuainich 

VjUr  taobh,  deir  lehobhah  ;    smuaintean 

lus  chan  ann  air  son  uile,  a  thoirt  duibh 

kchd  agus  dochas."     (Ieremiah  xxix. 


2 


A  BHUNAIT  SHEASMHACH 


"  Ged  dh'  atharraicheadh  na  beanntan,  agus 
a  ghluaisear  na  cnuic,  chart  atharraichear  mo 
choibhneas-graidh  uaitse,  agus  cha  ghluaisear 
coimhcheangal  mo  shith,  deir  lehobhah  aig  a 
bheil  truas  dhiot."     (Isaiah  hv.  10.) 

"Le  gradh  siorruidh  ghradhaich  mi  thu  ; 
uime  sin  bhuanaich  mi  mo  choibhneas-graidh 
dhuit."     (Ieremiah  xxi.  3.) 

"  Their  mi  mu  thimchioll  lehobhah,  Is  e  mo 
thearmunn  agus  mo  dhaingneach  ;  mo  Dhia 
anns  an  cuir  mi  m'  earbsa."     (Salm  xci.  2.) 

Sin  an  fhianuis  a  tha  na  naoimh  uile  a'  toirt 
dhuinn  mu  thimchioll  Dhe,  agus  do  bhrigh  gu 
bheil  esanneo-chaochlaideach,bithidh  e  dhuinne 
anns  a'  bhliadhna  a  tha  air  thoiseach  oirnn  an 
ni  a  bha  e  dhaibhsan  anns  na  laithean  o  shean. 
***** 

Athair  na  Soillse, — nach  boidheach  agus  nach 
brioghmhor  an  t-ainm  sin  air  Dia.  Anns  an 
t-saoghal  nadurra  is  e  a'  ghrian  Athair  na 
Soillse,  mac  mor  an  aigh  a  tha  dortadh  soluis  is 
teas  is  beatha  air  an  t-saoghal  uile.  Tha  a' 
ghrian  cho  riaghailteach  agus  oho  seasmhach 
'n  a  h-eirigh  agus  'n  a  laighe  's  gu'm  faod  thu 
do  bheatha  earbsadh  ri  riaghailteachd  a  ciirsa  ; 
cha  do  mheall  i  duine  riamh  agus  cha  mheall 
gu  brath.  Anns  an  t-seagh  sin  is  grian  Dia  ; 
tha  tiodhlacan  a  mhaitheis  agus  a  ghraidh  a' 
tuiteam  air  a'  chloinn  cho  cinnteach  ri  siubhal 
ha  greine  ;  "  tha  do  throcairean  nuadh  gach 
aon  mhaduinn,  agus  is  mor  do  dhilseachd." 
Ach  ged  dh'  fhaodar  Dia  a  choimeas  ris  a' 
ghrein  anns  an  t-seagh  so  chan  'eil  an  coimeas 
f  ior  ach  ann  an  cuid ;  seasmhach  's  'g  a  bheil 
a'  ghrian  'n  a  siubhal  thig  sgail  air  a  h-aghaidh 
air  uairean,  agus  miichar  a  solus,  ach  cha  tig 
sgail  air  aghaidh  an  Tighearna  agus  cha 
mhuchar  a  sholus-san.  Tha  e  an  ni  ceudna,  an 
de,^  agus  an  diugh,  agus  gu  siorruidh.  Cha 
teid  a  sholus  as,  agus  cha  charaichear  fhirinn, 
no  cheartas,  no  throcair,  fad  uile  linntean  na 
siorruidheachd 

Fo  sgail  do  sgeith  ni  uime  sin, 
Lan  dochas  clann  nan  daoin'. 

***** 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  a  tha  cho 
buannachdail  do  dhaoine  ri  bhi  a'  smuain- 
eachadh  gun  sgur  mu  Dhia,  ciod  a  riiintean  agus 
ciod  na  doighean  anns  a  bheil  e  ag  oibreachadh 
agus  a'  riaghladh  an  t-saoghail.  Tha  beachdan 
mearachdach  mu  Dhia  a'  faotainn  aite  'n  ar 
n-inntinnean,  agus  'g  ar  cur  air  seachran  'n  ar 
n-iirnuighean,  is  cha  bhi  sith  gu  brath  'n  ar 
cridheachan  no  comh-fhurtachd  dhiadhaidh 
againn  o  ar  n-iirnuighean  gus  an  greunich  sinn 
air  an  fhirinn  so  gu  bheil  Dia  neo-chaochlaideach 
'n  a  obair  agus  'n  a  riaghladh.  Shaoileadh  tu 
gu'm  bu  mhaith  le  daoine  Dia  a  bhi  7ieo-chao- 
chlaideach  'n  a  fhreasdal,  ach  a  mach  o  aireamh 


bheag  de  na  naoimh  a  tha  creidsinn  ann  an 
neo-chaochlaideachd  an  Tighearn,  agus  a  fhuair 
sith  iomlan  anns  a'  chreideamh  sin,  cha  do 
ghreimich  an  saoghal  air  an  fhirinn  so  riamh. 
An  uair  a  ni  daoine  iirnuigh  bu  mhaith  leo  a 
bhi  smuaineachadh  air  Dia  mar  neach  a  tha 
saor  gus  a  lagh  fein  a  bhriseadh,  oir  gle  thric 
tha  iad  ag  tirnuigh  air  son  nithean  nach  b' 
urrainn  Dia  a  thoirt  dhaibh  gun  a  nadur 
atharrachadh.  Agus  is  ann  air  nadur  neo- 
chaochlaideach  Dhe  a  tha  laghannan  seasmhach 
a'  chruthachaidh  air  an  steidheachadh.  Chan 
'eil  anns  na  laghannan  sin  ach  foillseachadh 
air  nadur  agus  riiintean  a'  Chruitheir. 

Tha  sinne  an  da  chuid  aineolach  agus  peacach, 
agus  saoilidh  sin  air  uairean  gu'm  bu  choir  do 
Dhia  gradhach  a  bhi  na  bu  trocairiche  ruinn  na 
gu'n  diiineadh  e  a  chluas  ris  na  h-athchuingean 
a  bhios  sinn  a'  cur  suas  ris  'n  ar  n-eiginn.  Chan 
'eil  ann  an  Lagh  agus  ann  an  Gradh  ach  an  aon 
ni  o  dha  thaobh  ;  chan  'eil  dearbhadh  as  cinn- 
tiche  air  Gradh  Dhe  anns  an  t-saoghal  uile  gu 
leir  na  gu  bheil  e  a'  riaghladh  an  t-saoghail  le 
laghannan  nach  gabh  atharrachadh.  Cha 
ghabh  iad  atharrachadh  a  chionn  nach  'eil  annta 
ach  foillseachadh  air  a  nadur  fein  ;  ainm  eile 
air  a  bhuadhan  air  nach  tig  atharrachadh  no 
sgaile  tionndaidh. 

An  aite  e  bhi  'n  a  bhriseadh-duil  no  'n  a  chuis- 
eagail  do  dhaoine  gu  bheil  eadhon  ar  n-iirnui- 
ghean  air  am  freagairta  reir  laghannan  a  tha 
siorruidh  agus  neo-chaochlaideach,  is  ann  a  tha 
e  'n  a  aobhar  misnich  agus  'n  a  aobhar  sithe, 
oir  tha  f  hios  againn  co  ris  a  leigeas  sinn  ar  taic. 
A  cheart  cho  luath  's  a  dh'  aonas  sinn  ar  toil 
fein  ri  riiintean  siorruidh  Dhe,  theid  againn  air 
nithean  miorbhuileach  a  dheanamh,  agus  chi 
sinn  gu'm  bi  gealladh  Chriosd  air  a  choimh- 
lionadh  'n  ar  fiosrachadh,  "  An  ti  a  chreideas 
annam-sa,  na  h-oibre  a  tha  mise  a'  deanamh, 
ni  esan  mar  an  ceudna,  agus  oibre  as  mo  na  iad 
so." 

Ach  chan  'eil  ann  an  Lagh  agus  ann  an 
Laghannan  ach  facail  f  huar  ;  tha  ainn  eile  orra, 
agus  ainm  a  tha  na's  maisiche  na  gach  uile 
ainm,  ainm  Chriosd,  oir  ciod  a  chunnaic  an 
saoghal  ann  an  Criosd  ach  nadur  Dhe  air 
fhoillseachadh,  agus  ann  an  obair  Chriosd  ach 
laghannan  Dhe  air  am  foillseachadh.  An  da 
chuid  'n  a  theagasg  agus  'n  a  chrann-ceusaidh 
chi  sinn  nadur  agus  riiintean  neo-chaochlaid- 
each Dhe  air  am  foillseachadh,  fireantachd  a 
tha  cho  seasmhach  ris  na  neamhan,  agus  gradh 
a  dh'  fhuiling  piantan  a'  bhais  agus  ifrinn  chum 
biodh  uile  oibre  agus  uile  riaghladh  Dhe 
daingean  agus  ceart.  Ann  an  losa  Criosd  tha 
fireantachd  agus  gradh  Dhe  a'  pogadh  beul 
ri  beul. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  bithidh  daoine 
air  uairean  'n  a  leithid  de  chas  'n  am  beatha  's 
gu'm  bu  mhaith  leo  a  chreidsinn  gu'n  leig  Dia 


A  BHUNAIT  SHEAS MHACH— ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


as  iadsan  (ged  nach  leig  e  as  daoine  eile)  bho 
unihlachd  a  thabhairt  do  na  laghannan  leis  a 
bheil  e  a'  riaghladh  an  t-saoghail,  ach  chan  'eil 
an  sin  ach  diiil  f  haoin,  agus  cha  mho  is  e  sin  an 
rathad  gu  sith.  Chan  urrainn  Dia  saorsa  no 
cead  a  thoirt  do  neach  gun  a  reachdan  fein  a 
chumail,  oir  is  ann  anns  na  reachdan  sin  a  tha 
a  nadur  naomh  agus  uasal  a'  co-sheasamh ; 
fhirinn  agus    a  cheartas   agus   a  ghradh.     Gu 


bheil  Dia  ?ieo-ckaochlaideach, — ^sin  agad  a' 
bhunait  sheasmhach  air  a  bheil  an  saoghal  so 
air  a  shocruchadh.  "  Ma  sgriosar  na  bunaitean, 
ciod  a  ni  am  firean  ?  "  Ciod  ach  gu'm  biodh  a 
chreideamh  agus  a  dhochas  diomhain  ? 

'S  mor  sith  na  muinntir  ud  a  ta 
A'  gabhail  graidh  do  d'  reachd  ; 
Chan  eirich  tuisleadh  idir  dhaibh 
No  oilbheum  fos  gu  beachd. 


Anns  a'  Chathair 


Maduinn  Sabaid  a  bha  an  t-Ollamh  Joseph 
Parker  nach  maireann  a'  searmonachadh, 
an  Eaglais  an  Teampuill,  an  Lunnainn,  thubh- 
airt  e  ris  a'  choimhthional  gu  robh  cuid 
dhiubh  a'  faotainn  coire  dha  a  chionn  nach  robh 
e  a'  labhairt  mu  cheistean  mora  na  beatha  agus 
na  diadhaidheachd  ann  an  cainnt  na  sgoil- 
earachd  iir,  no  a'  toirt  iomraidh  air  Science  anns 
a'  chiibaid.  Thubhairt  e  gu  robhtar  a'  faotainn 
coire  dha  a  chionn  gu  robh  e  daonnan  a'  f  irean- 
achadh  a  theagaisg  le  briathran  a'  Bhiobuill  an 
aite  a  bhi  'ga  fhireanachadh  le  beachdan  cud- 
thromach  nan  daoine  a  bha  suas  ri  Science,  agus 
a  bha  coimhlionta  ann  an  eolas  mu'n  Chruth- 
achadh. 

"  Tha  sibh  ag  radh,"  ars'  esan,  "  gu'm  bu 
mhaith  leibh  gu'n  innsinn  dhuibh  an  drasd  's 
a  ris  ciod  a  tha  aig  Science  ri  radh  ruinn  mu 
chiiisean  diomhair  ar  beatha." 

"  Ceart  gu  leoir  ;  toisichidh  mi  an  diugh 
fhein.  Tha  bantrach  bhochd  anns  a'  choimh- 
thional a  chaill  a  h-aona  mhac,  is  tha  i  a' 
feoraich  'na  cridhe  fein  c'  aite  a  bheil  e,  no  am 
faic  i  e  gu  brath  tuilleadh.  larramaid,  ma 
ta,  air  Science  freagairt  a  thoirt  do'n 
bhantraich  bhochd  iomgaineach  so,  agus 
innseadh  dhi  c'  aite  an  deachaidh  a  mac. 
Cuiridh  sinn  am  Biobull  air  chiil  agus  leigidh 
sinn  le  Science  a'  cheist  a  fhreagairt."  (Anns 
an  fhacal  ud,  dhiiin  am  ministear  am  Biobull, 
thog  e  an  leabhar  bharr  na  ciibaid,  agus  chuir 
e  air  an  aite-shuidhe  e.) 

"  Am  faic  a'  mhathair  so  a  mac  gu  brath 
tuilleadh  ?  Ciod  a  dh'  eirich  dha  ?  C  aite  a 
bheil  e,  no  an  e  an  uaigh  ar  ceann-uidhe  gu 
brath  ?  Sin  a'  cheist  a  tha  mi  ag  iarraidh  air 
Science  a  fhreagairt.     Ciod  a  tha  thu  ag  radh  ?  " 

(Dh'  fhan  Parker  greis  'n  a  thosd,  agus  e 
a'  sealltuinn  roimhe  gu  geur,  mar  gu'm 
biodh    e    a'    sealltuinn    ann    an    siiilean 

Science.) 

"  Tha  sinn,"  ars'  esan  ris  a'  choimhthional,  a' 
buntainn  ris  a'  cheist  so  ann  an  solus  na  sgoil- 
earachd  iir  ;    chuir  sinn   bhuainn    am  Biobull 


is  tha  sinn  a  nis  ag  iarraidh  air  Scietice  freagairt 
a  thoirt  do'n  bhantraich  so  aig  a  bheil  cridhe 
leonta  agus  iomgaineach.  Ciod  a  tha  agad  ri 
radh  rithe  ?  " 

(A  ris  dh'  fhan  e  greis  'n  a  thosd,  ach  ma 
bha  esan  'n  a  thosd,  bu  mho  na  sin  samhchair 
a'  choimhthionail.) 

"  Tha  an  iiine,"  ars'  esan,  "  a'  dol  seachad, 
is  tha  am  boirionnach  a'  feitheamh  ri  facal 
bhuait,  a  Bhan-righ  na  sgoilearachd,  oir  tha  a 
cridhe  an  impis  sgaineadh  ;  ann  faic  i  a  mac  gu 
brath  tuilleadh  ?  Bruidhinn,  bruidhinn,  ma 
tha  dad  agad  ri  radh  agus  aotrumaich  anam  a' 
bhoirionnaich  bhochd  ;  no  mur  labhair  thu 
fein,  innis  dhomhsa  ciod  a  their  mi  rithe  ! 

Ciod  ?  Ciod  ?  CIOD  ?  An  e  nach  'eil  dad 
agad  ri  radh  rithe  ?  An  cualas  riamh  a  leithid 
so  ;  Science  agus  an  sgoilearachd  mhor  d'  a 
bheil  daoine  a'  deanamh  am  beic  mar  gu'm 
biodh  iad  a'  deanamh  am  beic  do  bhan-dia,  tha 
iad  nan  tosd,  agus  gun  aon  fhacal  aca  ri  radh 
mu  thimchioll  a'  ghnothuich  as  cudthromaiche 
ann  am  beatha  dhaoine  !  ! 

"  Ah,"  arsa  Parker,  "  tha  e  coltach  gu'm 
feum  sinn  dol  air  ar  n-ais  a  dh'  ionnsuidh  an 
t-Seann  Leabhair  an  deidh  a  h-uile  rud." 
Thionndaidh  e  a  chiil  ris  a'  choimhthional, 
thog  e  am  Biobull  cho  caomhail  ciiramach  's 
ged  bu  leanabh  a  bha  e  a'  laimhseachadh,  chuir 
e  air  bord  na  ciibaide  e,  agus  an  sin  leugh  e  as 
le  guth  soluimte  na  briathran  so  : 

"  Theid  mise  d'  a  ionnsuidh-san,  ach  cha 
phill  esan  a  m'  ionnsuidh-sa"  ..."  thig  do 
mhairbh  beo  ;  eiridh  mo  chuirp  mharbh-sa" 
..."  tha  fhios  agam  gu  bheil  m'  fhear- 
saoraidh  beo,  agus  an  deidh  do  m'  chraicionn 
a  bhi  mar  so  air  a  chnamh  agus  as  eugmhais 
m'  fheola,  chi  mi  Dia."  ..."  Is  mise  an 
aiseirigh  agus  a'  bheatha  ;  esan  a  chreideas 
annamsa,  ged  fhaigh  e  bas,  gidheadh  bithidh 
ebeo"  .  .  .  "  oir  is  eigin  do'n  chorp  thruaillidh 
so  neo-thruaillidheachd  a  chur  uime,  agus  do'n 
chorp  bhasmhor  so  neo-bhasmhorachd  a  chur 


ANNS  A'  CHATHAIR 


uime  "  .  .  .  "  cha  b'aill  leinn  sibh  a  bhi  ain- 
eolach  a  thaobh  na  muinntir  a  tha  'n  an  cadal, 
a  chum  nach  dean  sibh  bron,  eadhon  mar  chach, 
aig  nach  eil  dochas  ;  oir  ma  tha  sinn  a'  creid- 
sinn  gu'n  d'  fhuau-  losa  bas,  agus  gu'n  d'  eirich 
e  ris,  amhuil  sin  iadsan  mar  an  ceudna  a  chaidil 
ann  an  losa,  bheir  Dia  maille  ris  .  .  .  agus 
mar  sin  bithidh  sinn  gu  siorruidh  maille  ris  an 
Tighearna.  Air  an  aobhar  sin  thugaibh  comh- 
fhurtachd  d'a  cheile  leis  na  briathran  so." 

An  sin  dhuin  e  am  Biobull  ;  thog  e  'n  a 
uchd  e,  agus  'g  a  bhoiseagachadh  gu  gaolach, 
thubhairt  e  ris  a'  choimhthional,  "  Ochan, 
Ochan,  a  chairdean,  chan  'eil  ann  an  Science  ach 
bean-chomhfhurtachd  thruagh  aig  nach  eil 
sgeul  mhaith  no  sgeul  aoibhneach  do  dhaoine 
a  tha  fo  throm  uallach  ;  leanaidh  sinn  ris  an 
t-Seann  Leabhar  ;  leanaidh  sinn  ris  an  t-Seann 
Leabhar." 

***** 

"  Is  Ibchran  t'  fhacal  do  m  chois,  agus  solus  do 
m  cheum"  (Salm.  119,  105). 

Tha'n  oidhche  dorch'  's  mi  fad  o  m'  dhachaidh  ghaoil 
O,  treoraich  mi. 

Is  e  am  Biobull  an  lochran  a  thug  Dia  dhuinn 
'g  ar  treorachadh  dhachaidh  ;  is  e  Fhacal  fein 
an  riaghailt  a  thug  e  dhuinn  a  chum  ar  teagasg 
ann  an  eolas  slainteil  air  fein,  agus  ann  an 
dochas  na  beatha  maireannaich. 

Tha  Dia  a'  labhairt  ruinn  anns  a'  Bhiobull 
mar  nach  'eil  e  a'  labhairt  ruinn  air  dhoigh  air 
bith  eile.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  e  a' 
labhairt  ri  daoine  'n  a  fhreasdal,  agus  'n  an 
coguis,  agus  'n  a  oibre  maiseach,  gu  sonruichte 
ma  tha  inntinnean  beachdail  agus  faireachail 
aca,  ach  chan  'eil  na  guthan  sin  ach  fann,  agus 
chan  'eil  iad  a'  labhairt  riu  ach  an  drasd  's  a  ris. 
Is  ann  'n  a  Fhacal  a  tha  e  a'  labhairt  gu  laidir 
agus  gu  soilleir  ruinn  ;  do  dhaoine  nach  'eil  a' 
leughadh  no  a'  cluinntinn  Facal  Dhe,  tha  Dia 
naar  gu'm  biodh  e  'n  a  thosd,  agus  ma  tha  Dia 
*n  a  thosd  do  neach  air  bith  chan  fhada  gus  an 
dichuimhnich  an  neach  sin  Dia  gu  buileach. 
Cha  b'  aithne  dhomh  riamh  duine  diadhaidh 
aig  nach  robh  gaol  air  a'  Bhiobull. 

Tha  moran  dhaoine  an  diugh  a'  cur  a'  Bhiob- 
uill  an  suarachas,  agus  barrachd  dhaoine  a' 
deanamh  dearmaid  air,  mar  gu'm  biodh  e 
comasach  do  dhaoine  an  rathad  fhaotainn  gu 
Dia  agus  gu'  beatha  shiorruidh  as  eugmhais. 
Ach  tha  de  ghliocas  anns  an  t-saoghal  f  hathast 
's  gur  maith  leinn  gu'n  innseadh  iad  dhuinn 
ciod  a  chuirear  'n  a  aite.  A  Thighearna,  co  dh' 
ionnsuidk  an  teid  sinn  ?  agad-sa  tha  briathran  na 
beatha  maireannaich.  Ma  dhimar  am  Biobull, 
ciod  an  tobar  eile  a  dh'  fhosglar  'n  a  aite  ? 
***** 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a'  cur 
Science  an  suarachas  a  tha  mi,  no  a'  faotainn 


coire  do  na  daoine  aig  a  bheil  dochas  gu'n  saorar 
clann-daoine  le  Eolas.  Chan  ann  idir  ;  is 
fhada  bhuam  a  leithid  sin  a  dh'  amaideas. 
Tha  barrachd  meas  agam  air  Eolas  agus  air 
ard-sgoilearachd  na  gu'n  toisichinn  air  cur  sios 
orra,  agus  ged  dheanainn  sin  chan  ann  orra-san 
a  dheanainn  cron  ach  orm  fhein.  "  Chan 
urrainn  sinn  ni  air  bith  a  dheanamh  an  aghaidh  na 
firinn,  ach  air  son  naflrinn." 

Tha  Science  agus  an  t-eolas  iir  a  thatar  a' 
faotainn  air  a'  Chruthachadh  maith  agus  ro 
mhaith  'n  an  aite  fein  ;  tha  iad.  a'  fosgladh  ar 
n-inntinnean  agus  ar  siiilean  agus  a'  toii't 
sealladh  iir  dhuinn  air  farsuingeachd,  agus 
oirdhearcas,  agus  iongantas  a'  chruinne-ce  ; 
agus  mar  is  mo  agus  is  oirdheirce  agus  is  ion- 
gantaiche  a  tha  an  speur  agus  an  saoghal  a' 
fas,  is  ann  is  mo  agus  is  oirdheirce  a  tha  gliocas 
agus  cumhachd  an  Ti  a  chruthaich  iad  a'  fas 
mar  an  ceudna.  Anns  an  t-seagh  sin,  a  thuill- 
eadh  air  doighean  eile,  tha  e  maith  do  dhaoine 
fios  a  bhi  aca  ciod  a  tha  Science  ag  innseadh 
dhuinn  mu'n  Chruthachadh.  Theagamh  gu'n 
toir  an  t-eolas  iir  sin  orra  beachdan  leanabail 
a  bha  aca  a  chur  air  chiil  (ma  tha  duine  a'  fas 
idir  feumaidh  e  fas  as  a  bheachdan  mar  a  dh' 
fhasas  balaich  as  an  aodach)  ach  do  bhrigh  gur 
e  an  aon  Dia  a  tha  labhairt  ann  an  oibre  a' 
Chruthachaidh  's  a  tha  labhairt  anns  a'  Bhiobull 
chan  urrainn  Science  agus  am  Biobull  a  cheile 
a  bhreugnachadh.  Chah  'eil  annta  ach  da  ghath 
de  'n  aon  t-solus.  Ach  feumar  a  chuimh- 
neachadh  nach  e  an  aon  ni  a  tha  aca  's  an 
amharc  ;  tha  Science  ag  innseadh  dhuinn  mu 
nithean  faicsinneach  a  chithear  le  ar  siiilean, 
agus  a  thoimhsear  leis  an  t-slait  no  leis  a' 
mheidh,  ach  tha  am  Biobull  ag  innseadh 
dhuinn  mu  nithean  neo-fhaicsinneach  nach 
gabh  laimhseachadh,  ach  a  tha  a  cheart 
cho  fior  's  ged  a  ghabhadh  iad  cur  air  a' 
mheidh  -  thomhais  ;  creideamh,  aithreachas, 
maitheanas,  dochas.  Ma's  e  eolas  mu  Dhia 
agus  mu  bheatha  na  diadhaidheachd  a  tha 
dhith  ort,  chan  'eil  dad  aig  Science  ri  radh  riut, 
oir  chan  e  na  nithean  sin  a  gnothuch-se  ;  fos- 
gail  am  Biobull  agus  innsidh  na  naoimh  dhuit 
an  t-slighe  gu  Dia.  Agus  air  an  laimh  eile, 
ma  tha  thu  air  son  fhaotainn  a  mach  mu  oibre 
no  mu  aois  a'  chruthachaidh  is  fhearr  dhuit  gu 
mor  dol  gu  Sir  Seumas  leans  seach  a  bhi  feuch- 
ainn  ri  eolas  fhasgadh  a  leabhar  Ghenesis 
nach  do  chuir  Dia  ann. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  'eil  a'  cheud 
chaibideil  de  Ghenesis  fior.  Theagamh  nach 
'eil  i  fior  do  dhaoine  aig  a  bheil  inntinnean 
maola,  agus  inntinnean  litireil  laghail  (an  seorsa 
inntinn  as  miosa  air  an  t-saoghal),  ach  tha  i 
fior  do  dhaoine  aig  a  bheil  inntinnean  saora 
agus  inntinnean  iriosal  (anns  nach  do  bhasaich 
ionghnadh  no  aoradh).  C'aite  eile  ann  an 
litreachas   an  t-saoghail  air  fad  am  faigh  thu 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


cuiintas  air  6g-mhaduinn  a'  chruthachaidh  a 
tha  cho  goirid,  cho  simplidh,  cho  oirdheirc, 
cho  maireannach,  ri  Laoidh  a'  Chruthachaidh 
ann  an  leabhar  Ghenesis.  An  toiseach  chruthaich 
Dia  na  ncamha^i  agus  an  talamh  ;  sin  agad  ann 
an  naoi  facail  a  cheart  rud  a  tha  Science  a'  cur 
ann  an  naoi  muilleanan. 


Co  dh'  ionnsuidh  an  teid  sinn  ?  anns  a'  Bhiohull 
tha  briatkran  na  beatha  maireannaich.  As  eug- 
mhais  a'  Bhiobuill  bhitheamaid  mar  dhaoine 
ann  an  ceo,  oir  tha  am  Biobull  a'  toirt  dhuinn 
eolas  air  Dia,  agus  is  e  eolas  air  Dia  agus  air  a 
mhac  a'  bheatha  mhaireannach.  Ma  theid 
sinn  gu  Tearlach  Darwin,  no  gu  Einstein,  no 
gu  Sir  Seumas  leans,  bheir  iad  dhuinn  fiosrach- 
adh  a  tha  feumail  dhuinn  an  iomadh  doigh, 
agus  fiosrachadh  a  dh'  fhosglas  ar  stiilean  agus 
ar  n-inntinnean.  Ach  tha  cridhe  agus  anam 
againn  a  thuilleadh  air  siiil  is  inntinn,  cridh- 
eachan  a  bhios   air  uairean  goirt,  air  uairean 


aithreachail,  air  uairean  teagmhach,  agus  air 
uairean  eile  fann  le  ionndrainn  air  Dia.  Ciod 
a  tha  aig  Tearlach  Darwin  no  aig  Einstein  ri 
fhoillseachadh  dhuinn  a  bheir  furtachd  do'n 
chridhe  ?  Chan  'eil  dad.  Is  maith  a  dh' 
eireas  dhaibh  fein  mur  caill  iad  an  anam  am 
measg  nan  sligean-tomhais.  Dh'  fhaodadh 
iomadh  speuradair  a  radh,  Amfeadh  's  a  bha  mi 
a'  tomkas  a'  Ghrioglachain  chaill  mi  Dia. 

Tha  am  Biobull  a'  labhairt  ri  tuilleadh  is 
inntinn  mhic  an  duine  ;  tha  e  a'  labhairt  r'a 
nadur  uile,  agus  'ga  chumail  ceart  a  thaobh 
crioch  araidh  a  bheatha.  Tha  crioch  araidh 
aig  gach  ni  fo'n  ghrein,  agus  is  e  crioch  araidh 
mhic  an  duine  Dia  a  ghlorachadh  agus  a 
mhealtainn  gu  siorruidh.  Sin  crioch  araidh  a' 
Bhiobuill  fein,  an  t-eolas  so  a  thoirt  dhuinn, 
agus  a  thaobh  an  eolais  so  tha  am  Biobull  neo- 
mhearachdach.  Cha  teid  eadhon  na  daoine 
baoghalta  air  seachran  ma  ghabhas  iad  am 
Biobull  mar  lochran  d'an  cois  agus  mar  sholus 
d'  an  ceum. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


BU  mhaith  learn  a  bhi  air  n^io  thiodlacadh 
aig  bun  na  craoibhe  aig  an  do  sheas  mi 
greis  an  diugh  anns  a'  Choille  Bheithe.  Ach 
theagamh  nach  gabh  sin  deanamh,  oir  tha 
amharus  agam  gu'n  cuireadh  Cileadairean  na 
h-Eaglais,  an  Diin-eideann,  'n  a  aghaidh,  agus 
gu'm  feumar  mo  chnamhan  a  chur  an  ait-eigin 
eile.  Ach  bu  mhaith  learn  a  bhi  leam  fein 
anns  a'  Choille  Bheithe,  far  an  do  chuir  mi 
seachad  iomadh  uair  sholasach,  far  an  cuala  mi 
guthan  agus  far  an  d'  fhiosraich  mi  faireachd- 
uinean  nach  cluinnear  agus  nach  fiosraichear 
air  an  rathad-mhor,  agus  far  nach  biodh  cas  a' 
saltairt  air  m'  uaigh  ach  casan  nan  coineanan 
a  bhios  a'  ruideas  innte  anns  an  oidhche,  agus 
casan  nan  eun  beaga  a  bhios  a'  gabhail  fasgaidh 
innte  ri  an-uair. 

Tha  e  moran  na's  fhasa  do  dhuine  dol  far  an 
togair  e  'nuair  tha  e  beo  na  tha  e  dha  'nuair 
tha  e  marbh.  Faodaidh  am  beo  dol  d'a 
roghainn  aite,  ach  chan  'eil  aite  aig  a'  mharbh 
d'  an  teid  e  ach  an  cladh.  Agus  mur  cuirear 
do'n  chladh  e,  chan  'eil  fhios  air  an  t-saoghal 
ciod  a  nithear  ris  !  An  tug  thu  riamh  an  aire, 
a  leughadair,  cho  duilich  's  a  tha  e  do  mhortair 
corp  a  chur  as  an  t-sealladh  ?  Chan  'eil  corp 
an  duine  as  motha  mor,  ach  mur  bheil  tiodhlac- 
adh  follaiseach  air  a  dheanamh,  agus  an  corp 
air  a  ghiiilan  do'n  chladh,  tha  e  anabarrach 
duilich  corp  a  chur  as  an  t-sealladh  gu  h- 
uaigneach  agus  gun  amharus.  Ged  is  trom 
toscaid  a  tha  Ian  uisge-bheatha,  no  Ian  iiilidh, 
ma  thig  te  dhiubh  sin  air  a'  chladach,  gheibhear 
dealbh  air  a  cur  as  an  t-sealladh  gu  falachaidh. 
Ach  chan  urrainnear  corp  a'  mhairbh  a  chur 


as  an  t-sealladh  eadhon  le  spairn  chruaidh, 
mur  tiodhlaicear  e  gu  follaiseach  anns  an 
aite  a  tha  air  a  chur  a  mach  air  a  shon.  "  An 
ni  a  tha  cam,  cha  ghabh  e  deanamh  direach." 

Ach  chan  ann  air  gnothuichean  de'n  t- 
seorsa  sin  a  tha  mi  dol  a  bhruidhinn  an  drasd, 
ach  air  smuaintean  a  dh'eirich  'n  am  inntinn 
anns  a'  mhaduinn,  an  uair  a  chunnaic  mi  anns 
a'  phaipear  gu'n  do  shiubhail  an  t-Ollamh 
Uilleam  L.  Levack,  a  bha  an  Eaglais  Bhel- 
mont,  an  Glaschu.  Ged  nach  robh  moran 
eolais  agam-sa  air  Uilleam  Levack,  agus  ged 
nach  'eil  mi  cinnteach  c6  againn  a  bu  shine, 
tha  fhios  agam  gu  robh  sinn  gu  maith  dliith 
air  a  cheile  co  dhiu,  agus  is  e  sin  a  chuir  gu 
smuaineachadh  mi  an  diugh.  Cha  mhor 
mhaduinnean  a  dh'  fhosglas  mi  am  paipear- 
naidheachd  nach  fhaic  mi  ann  gu'n  do  shiubhail 
cuideigin  d'  am  cho-aoisean  an  de  agus  gu'm 
bi  e  air  a  thiodhlacadh  am  maireach. 

Tha  tim  mar  shruthan  siubhlach  cas, 
Toirt  leis  gu  bras  gach  neach. 

Theagamh  nach  'eil  ann  ach  mac-meanmain 
m'  inntinn  fein,  ach  saoilidh  mi  gu'n  do  shiubhail 
barrachd  mhinistearan  a  b'  aithne  dhomh 
eadar  coig  deug  is  da  fhichead  agus  tri  fichead 
na  shiubhail  aig  aois  a  b'  oige,  no  aig  aois  a 
bu  shine.  Ciod  air  bith  a  their  na  dotairean 
uime,  tha  moran  dhaoine  an  duil  gu  bheil  tri 
fichead  's  a  tri  'n  a  h-aois  chunnartaich,  ach 
theagamh  nach  'eil  bonn  aig  a'  bheachd  sin 
ach  a  mhain  so,  gu  bheil  seorsa  a  dh'  athar- 
rachadh  a'  tighinn  air  bodhig  duine  a  h-uile 
seachd  bliadhna.     B'  aithne  dhomh  feadhainn 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


a  dh'  fhailnich  aig  an  aois  sin,  ach  b'  aithne 
dhonih  feadhainn  eile  a  dh'  fhas  na  bu  laidire 
agus  na  bu  chruadalaiche  na  bha  iad  riamh. 
B'  aithne  dhonih  aon  duine  a  bha  cho  frioth- 
talach  'n  a  stamaig  ann  an  laithean  oige  's 
nach  b'  urrainn  dha  dad  a  ghabhail  ach  seorsa 
de  fhuaraig  a  bhiodh  a  bhean  a'  deanamh  dha 
air  siigh  mine  agus  aran-cruithneachd,  ach 
'nuair  a  chaidh  e  os  cionn  tri  fichead,  dh' 
fhalbh  an  droch  stamag,  is  dh'  fhaodadh  e 
tairngean  agus  faochagan  itheadh  gun  chron 
a  dheanamh  dha  fein. 

Shiubhail  Ian  Calvin,  an  diadhair  mor, 
aig  ceithir  deug  is  da  fhichead  ;  Seoras  White- 
field  aig  coig  deug  is  da  fhichead ;  Tearlach 
Spurgeon  aig  seachd  deug  is  da  fhichead  ; 
Iain  Bunyan  agus  Daibhidh  Mac  an  Leigh, 
aig  tri  fichead.  Thug  iad  sin  uile  uthachd 
dhaibh  fein,  oir  sharaich  iad  am  bodhig  agus 
an  cridhe  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil,  ach  ged 
a  shiubhail  iad  uile  gu  maith  bg,  rinn  iad  obair 
mhor  m'  an  tainig  a'  chrioch  orra. 

Theirinn  gur  e  Iain  Calvin  duine  as  motha  a 
rugadh  riamh  anns  an  Fhraing.  Chan  'eil 
mi  a'  dichumhneachadh  gur  ann  do'n  Fhraing 
a  bhuineadh  Napoleon  agus  Louis  Pasteur. 
Mar  dhuine  bha  Pasteur  ann  an  iomadh  doigh 
na  b'  fhearr  na  Calvin,  ach  ged  nach  'eil 
moran  dhaoine  air  an  ainmeachadh  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail  air  a  bheil  uiread 
meas  agus  uiread  gaoil  agam-sa  's  a  tha  agam 
air  Louis  Pasteur,  tha  mi  an  duil  gu'm  feumar 
Calvin  a  chur  air  thoiseach  air,  a  thaobh  neart, 
agus  soilleireachd  inntinn,  agus  a  thaobh  na 
buadha  a  bha  aige  air  beatha  agus  eachdraidh 
na  Roinn  Eorpa.  Thionndaidh  e  sruth  a 
beatha  agus  a  h-eachdraidh  as  na  seana 
chlaisean  a  steach  do  chlaisean  ura.  An  dara 
leth  d'a  bheatha  cha  robh  Calvin  saor  is  pian 
aon  mhionaid.  Ach  lean  e  air  obair  agus  air 
sgriobhadh  gun  fhois,  gun  tamh  ;  an  uair 
a  dh'  iarradh  iad  air  gun  a  bhi  'g  a  sharuchadh 
fein  cho  goirt,  theireadh  e  riii,  "  Am  bu 
mhaith  leibh  gu'm  bithinn  diomhaineach  aig 
teachd  an  Tighearna  ?  " 

Ged  a  dh'  ainmich  mi  Napoleon  am  measg 
urracha  mora  na  Frainge  cha  toigh  leam  an 
duine  idir  ;  cha  toigh  leam  sealltuinn  air 
aodann,  no  air  a  shuil,  no  air  a  mhailghean 
gruamach,  no  air  a  chorp  reamhar,  eadhon  ann 
an  dealbh.  Tha  Napoleon  ainmeil  gu  leoir 
mar  tha,  ach  bhiodh  e  na  b'ainmeile  ann  an 
leabhraichean-eachdraidh  na'n  deachaidh  peil- 
ear  'n  a  chridhe  air  achadh  Waterloo.  Faodar 
an  ni  ceudna  a  radh  mu  Phrionnsa  Tearlach 
agus  mu  Lloyd  George.  Na'n  deachaidh 
peilear  anns  a'  Phrionnsa  air  sliabh  Chuil- 
fhodair,  no  na'n  deachaidh  Lloyd  George  a 
mharbhadh  le  bomb  Gearmailteach  an  t- 
seachduin  mu  dheireadh  de'n  chogadh,  chan 
'eil  fhios   nach  dichuimhnicheadh  an  saoghal 


gur  e  daoine  a  bha  annta  agus  nach  e  diathan. 
Cha  lugha  a  bhios  ainm  Khitchener  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail  a  chionn  gu'n  do 
shiubhail  e  trath,  agus  gu  bheil  uaigh  mar  bha 
uaigh  Mhaois,  nach  aithne  do  dhuine  sam  bith 
i  gus  an  la  'n  diugh. 

Chan  ann  air  sgath  nam  buadhan  inntinn  a 
bha  aige  a  bhios  cuimhne  gu  brath  air  Daibhidh 
Mac -an -Leigh,  no  eadhon  air  son  a  shaoth- 
rach  ann  an  Africa,  ach  a  chionn  gu  robh  a 
chridhe  air  a  lionadh  leis  a'  ghaol  agus  a' 
chriosdalachd  sin  a  cheannsaicheas  riogh- 
achdan  agus  a  dh'  oibricheas  fireantachd. 
Tha  Facal  an  Tighearn  ag  innseadh  dhuinn 
gu'n  dean  creideamh  sin,  an  creideamh  a  tha 
ag  oibreachadh  tre  ghradh,  agus  tha  beatha 
Dhaibhidh  Mhic  an  Leigh  am  measg  treubhan 
borb  na  h-Afric  a'  dearbhadh  gu'n  dean. 
Chaidh  e  'n  am  measg  gun  armachd,  ach  thuig 
iad  gu  luath  an  seorsa  duine  a  bha  ann,  is  bha 
e  cho  sabhailte  'n  am  measg  's  ged  robh  e  a' 
sraideamachd  an  Ulabha,  eilean  a  shinnsir. 
Chan  'eil  naidheachd  a  dh'  innseadh  riamh  as 
mo  a  thaisicheas  ar  cridhe  na  mar  a  ghiulain 
na  balaich  dhubha  corp  an  duine  chaomhail  so, 
ceudan  mile  troimh  choiltean  agus  thar  mhon- 
aidhean,  gus  a  thoirt  gu  baile-puirt  anns  an 
robh  soitheach  a  bheireadh  do  Shasunn  e. 
Ach  dh'  innis  mi  an  naidheachd  sin  air  an 
duilleig  so  uair-eigin  cheana.  Tha  corp  Dhaibh- 
idh Mhic -an -Leigh  air  a  thiodhlacadh  ann 
an  Abaid  Westminster,  ach  tha  a  chridhe  air 
a  thiodhlacadh  aig  bun  craoibhe  anns  an  aite 
anns  an  do  shiubhail  e. 

Shiubhail  e  air  a  ghliiinean,  ag  iirnuigh  air 
son  Africa.  Am  b'  urrainn  an  teachdaire 
deireannach  tighinn  aig  am  a  bu  fhreagarr- 
aiche.  "  Faigheam-sa  bas  an  ionracain,  agus 
bitheadh  mo  chrioch  dheireannach  cosmhuil 
ri  chrich-san  !  "  Theagamh  nach  cuala  moran 
de  na  bhios  a'  leughadh  na  duilleig  so  iomradh 
air  Domhnull  Mac  Rath,  figheadair  bochd  a 
bha  am  Peitidh,  dliith  air  Inbhir-nis,  o  chionn 
ceud  bliadhna.  Shiubhail  esan  air  an  doigh 
cheudna,  air  a  ghliiinean  ag  iirnuigh.  Bha  e 
'n  a  dhuine  diadhaidh,  agus  cho  ciiramach 
mu'n  t-  Sabaid  a  choimhead  mar  la  naomh  's 
nach  fadadh  e  teine  'n  a  thigh  air  la  na  Sabaid, 
eadhon  ri  fuachd  a'  gheamhraidh.  Cha  bu 
pheacadh  dha  an  teine  a  lasadh  air  an  t-  Sabaid, 
ach  ma  rinn  e  mearachd,  rinn  e  i  air  an  taobh 
shabhailte.  Chan  fhaigh  mise  coire  dha  co 
dhiu  ;  tha  de  mheas  agam  air  daoine  aig  a 
bheil  uiread  de  tlioil  agus  de  stoldachd  dhia- 
dhaidh  's  gu'n  smachdaich  iad  am  feoil  fein  's 
nach  fhaighinn  coire  dhaibh  ged  chaidleadh 
iad  air  fiaclan  cleith-chliata,  gun  leine  r'  an 
cneas.  Ach  is  rud  eile  e  iarraidh  air  daoine 
eile  na  riaghailtean  sin  a  chur  orra  fein. 

Tha  Pol  ag  radh  gur  e  gath  a'  bhais  am  peac- 
adh,  is  tha  sin  fior  anns  an  t-seagh  as  doimhne, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


ach  do  mhoran  dhaoine  tha  an  gath  eile  so 
anns  a'  bhas,  gu  bheil  e  a'  tadhall  orra  m'  an 
do  chriochnaich  iad  an  obair  a  bha  iad  an  dull 
a  dheanamh.  Gus  an  ruig  duine  leth-cheud 
bliadhna  saoilidh  e  nach  'eil  ann  fein  ach  duine 
6g,  agus  gu  bheil  uine  gu  leoir  aige  air  an  obair 
ud  no  an  obair  ud  eile  a  dheanamh.  Ochan, 
Ochan  ;  mar  tha  na  bliadhnachan  a'  dol 
seachad  tha  e  na's  duiliche  dhuinn  saorsa 
fhaotainn  gus  crioch  a  chur  air  obair  air  bith 
ach  dleasdanas  agus  cuairt  an  la,  agus  ma 
ruigeas  sinn  tri  fichead  gun  an  obair  a  bhi 
fhathast  deanta  chan  'eil  ann  ach  seansa  chaol 
gu'n  deanar  gu  brath  i.  Oir  ciod  a  tha  ann  an 
duine  aig  tri  fichead  ach  seann  duine  ! 

Ged  nach  'eil  e  furasd  a  radh  c'uin  a  tha 
duine  'n  a  sheann  duine,  agus  ged  tha  seann 
daoine  an  diugh  na's  oige  na  b'  abhaist  dhaibh 
(agus  daoine  oga  na's  sine)  chan  urrainnear 
ach  seann  duine  a  radh  ri  duine  a  chaidh 
seachad  air  tri  fichead.  Eadar  da  fhichead 
agus  leth-cheud  tha  duine  air  'oige  f  hagail  'n  a 
dheidh  ;  eadar  leth-cheud  agus  tri  fichead 
tha  e  a  fas  sean  ;  agus  eadar  tri  fichead  agus 
tri  fichead  s  a  deich  tha  e  'n  a  sheann  duine, 
ged  nach  failnicheadh  a  shuil  agus  nach 
treigeadh  a  neart  e.  Ach  air  a  shon  sin  tha  e 
duilich  innseadh  c'uin  is  coir  do  dhuine  a 
dhreuchd  a  chur  dheth  a  chionn  gu  bheil  e 
sean.     B'  fhearr  dhuit  dol  a  dh'  eisdeachd  Iain 


Wesley,  a'  searmonachadh  aig  ceithir  fichead, 
seach  dol  a  dh'  eisdeachd  gin  de  na  ministearan 
oga  a  theireadh  nach  robh  ann  ach  seann  duine. 
Dh'  fhaodainn  ainmean  speuradairean  agus 
luchd-lagha  a  thoirt  dhuit,  a  bha  cho  beothail 
ri  searraich  oga  aig  ceithir  fichead.  Chan 
aithne  dhomh  ciod  as  aobhar  dha,  ach  tha  rud- 
eigin  anns  an  lagh  agus  anns  an  speuradair- 
eachd  a  tha  sineadh  laithean  dhaoine.  Ma's 
maith  mo  chuimhne  tharruing  am  Morair 
Halsbury  suas  ri  ceud  mile  punnd  Sasunnach 
de  phension  m'an  do  shiubhail  e.  Uair-eigin 
de  'n  t-saoghal  bha  an  aois  'n  a  cuis-eagail  do 
dhaoine,  ach  chan  'eil  i  'n  a  cuis-eagail  dhaibh 
an  diugh  a  chionn  gu  bheil  uiread  phensions  a' 
feitheamh  air  seann  daoine.  Tha  daoine  ann 
an  diugh  aig  a  bheil  pension  aig  da  fhichead, 
agus  gu  leoir  de  dhaoine  eile  ann  air  a  bheil 
fadachd  gus  am  bi  iad  aois  a'  phe7ision. 

Ach  mar  a  thubhairt  mi  cheana  is  e  gath  a' 
bhais  gu'm  faod  e  tighinn  oirnn  agus  gun  ar 
n-obair  criochnaichte.  An  uair  a  chi  mi 
leithidean  Neill  Mhic  Ghill-Fhaolain  agus 
Uilleam  Levack  air  an  gearradh  as  tha  e  a' 
toirt  criothnachadh  dhomh,  agus  a'  cur  teag- 
aimh  ann  am  inntinn  nach  criochnaich  mi  gu 
brath  obair  bheag  no  dha  a  bu  mhaith  leam 
a  dheanamh  leis  a'  pheann. 

Tha  tim  mar  shruthan  siubhlach  cas, 
Toirt  leis  gu  bras  gach  neach. 


Aig  an  Uinneig 


Na  duilleagan  Gaidhlig 

AIG  toiseach  na  bliadhna  bu  mhaith  leam  a 
-Liradh  gu'm  bithinn  fada  fada  an  comain 
duine  air  bith  a  chuireas  thugam  rud-eigin  a 
chuireas  mi  anns  na  duilleagan  Gaidhlig.  An 
uiridh  cha  d'  fhuair  mi  moran  cuideachaidh  o 
thaobh  air  bith,  is  b'  fheudar  dhomh  a'  chuid 
mhor  de  na  duilleagan  so  a  sgriobhadh  mi 
fhein.  Cha  bu  mhaith  leam  gu'm  biodh  sin 
mar  sin  am  bliadhna.  Mar  thubhairt  Pol, 
tha  an  uiread  de  ghuthan  anns  an  t-saoghal, 
agus  do  bhrigh  nach  'eil  aon  dhiubh  gun 
bhlagh,  bhiodh  e  maith  do  luchd-leughaidh 
an  Leabhair  Ghuirm  cuid  de  na  guthan  sin  a 
chluinntinn.  Tha  iomadh  ministear  6g  agus 
iomadh  maighstir-sgoil  anns  a'  Ghaidhealtachd 
aig  a  bheil  ni-eigin  ri  radh  a  bhiodh  chum 
foghlum  na  h-eaglais,  is  bhithinn  ro  thoilichte 
sin  a  thoirt  am  foUais  na'n  cuireadh  iad  thugam 
e,  an  rosg  no  am  bardachd.  Bhiodh  duals  agus 
beannachd  dhiibailte  'n  a  lorg  sin  ;  bhiodh  e 
'n  a  chuideachadh  dhomhsa  agus  'n  a  bhuann- 
achd  dhaibh  fein,  oir  dh'  ionnsaicheadh  e 
dhaibh  rian  agus  soilleireachd  a  chur  'n  an 
cainnt  agus  'n  an  smuaintean.  Cha  ghabh  sin 
ionnsachadh  ach  le  saothair.  Cha  toigh  le 
muinntir   na   Gaidhealtachd   searmon   a   bhios 


air  a  leughadh  ;  mar  sin  tha  e  feumail  do 
mhinistearan  oga  a  dh'  fheumas  lahhairt  gun 
phaipear  anns  a'  chiibaid  a  bhi  sgriobhadh  rud- 
eigin  eile  a  h-uile  la  d'  am  beatha,  los  rian 
agus  ordalachd  'n  an  cainnt  a  theagasg  dhaibh 
fein.  Theid  aig.  duine  a  tha  labhairt  air 
mi-rian  is  neo-ordalachd  'n  a  theagasg  fholach 
le  briathran  deas  atmhor,  no  le  casdaich,  no 
le  glaodhaich,  no  eadhon  le  snaoisean,  mar 
bhiodh  cuid  de  na  seana  mhinistearan  a'  dean- 
amh,  ach  cha  ghabh  sin  deanamh  air  paipear. 
B'  fheairrd  mise  e,  ma  ta,  agus  cha  bu  mhisd 
iad  fein  e,  na'n  toisicheadh  ministearan  oga 
air  cuideachadh  leam  air  na  duilleagan  so. 

Rud  eile  ;  gheibh  a  h-uile  duine  a  sgriobhas 
anns  na  duilleagan  Gaidhlig  a  Ian  shaorsa. 
Is  toigh  leam  saorsa  dhomh  fein  seach  gach  ni 
fo'n  ghrein,  agus  bu  mhaith  leam  a  cheart 
shaorsa  a  thoirt  do  dhaoine  eile.  Na  biodh 
eagal  air  duine  air  bith,  ma  ta,  gu'n  diiiltar  a 
bheachdan  no  fhiosrachadh  a  thoirt  am  follais, 
a  chionn  gu'm  faod  daoine  eile  coire  fhaotainn 
dhaibh  no  a  chionn  nach  'eil  iad  a  reir  teagasg 
Alasdair  Ghearr,  no  Mhic  Rath  Mhoir,  no  an 
Dotair  Cheanaidich.  An  rud  a  tha  maith  agus 
fior,  seasaidh  e  ris  an  t-solus  ;  an  rud  anns  nach 
'eil  blagh  no  firinn,  agus  nach  seas  ris  an  t- 


8 


AIG  AN  UINNEIG— LAOIDH  NOLLAIGE 


solus,  cuirear  as  e  na's  luaithe  le  thoirt  do'n 
t-solus.  Tim  agus  solus  ar  reusoin,  sin  agad  na 
guitean  a  dhealaicheas  an  cruithneachd  o'n 
mholl. 

Moran  taing  do  dhithis  a  chuidich  leam  an 
uiridh  uair  no  dha  ;  an  t-Ollamh  CoUa  Domh- 
nullach,  anns  an  Lagan,  agus  an  t-Urramach 
Calum  Macleoid,  M.A.  an  Glaschu.  Thafhios 
agam  gu'm  bi  ar  luchd-leughaidh  toilichte 
searmon  no  seanchas  eile  fhaotainn  bhuapa 
am  bliadhna  cuideachd.  Tha  mi  duilich  nach 
'eil  dad  agam  air  son  ceud  aireamh  na  bliadhna 
so  ach  mo  chuid  fhein,  agus  Laoidh  Nollaige  a 
fhuair  mi  o'n  Urramach  Calum  Laing,  M.A., 
ach  tha  mi  an  dochas  nach  b'i  aireamh  Februari 
mar  sin. 

Duine  air  bith  leis  am  bu  mhaith  cuideachadh 
a  dheanamh  anns  an  obair  so  sgriobhadh  e  gu 
Dbmhnull  Mac  Laomuinn, 
am  Blar  Adholl, 
am  Peairt. 
Am  bata-adhair 

Ciod  a  their  na  h-iolairean  a  bhios  a'  nead- 
achadh  air  beanntan  an  eilein  Sgitheanaich  ris 
an  lolair  Mhoir  a  phaisg  a  sgiathan  an  Gleann 
Breatal  air  a'  mhios  so  chaidh,  an  deidh  dhi 
itealalaich  o  Rinn-friu  am  beagan  os  cionn 
uair  a  dh'  iiine  ?  Chan  'eil  fhios  c'  aite  an 
stad  so  !  Co  is  urrainn  a  radh  nach  f  haicear 
fhathast  seana  mhnathan  coire  as  an  eilean 
Sgitheanach  ag  itealaich  air  maduinn  na 
Sabaid  gu  eaglais  an  Naoimh  ludais,  an 
Glaschu  ?  Ciod  a  theireadh  Alastair  Domh- 
nullach,  an  Eaglas  Chaluim-Chille  ;  no  Calum 
Mac  Leoid,  an  Eaglais  Iain  Knox ;  no  idir 
idir  ciod  a  theireadh  am  fear  nach  maireann, 
an  t-Urramach  Niall  Camshron,  na'm  faiceadh 
iad  sgaoth  de  sheana   mhnathan  a   Leodhas, 


agus  as  na  Hearadh,  agus  as  an  eilean  Sgith- 
eanach, a'  snamh  mar  cheo  os  cionn  nan 
eaglaisean  aca  air  maduinn  Sabaid,  ag  itealaich 
mar  chalumain  a  dh'  ionnsuidh  an  ionad-taimh  ?  . 
Co  is  urrainn  a  radh  nach  fhaic  sinn  fhathast 
superintendents  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  a' 
sgiathalaich  anns  an  adhar  os  ar  cionn  cho 
bitheanta  's  a  tha  sinn  a'  faicinn  an  diugh 
superintendents  o  Bhord  an  fhearainn  air 
bataichean  Mhac  Brayne.  "Ach  thusa,  O 
Dhaniel,  druid  suas  na  briathran,  agus  seulaich 
an  leabhar,  gu  am  na  criche  :  ruithidh  moran 
sios  agus  suas,  agus  bithidh  eolas  air  a  mheud- 
achadh."  Saoghal  iongantach,  da  rireadh,  ach 
c'aite  an  stad  e  ?  Tha  a'  chuid  so  de'n  fhaist- 
neachd  air  a  coimhlionadh  cheana,  gu  bheil 
daoine  a'  siubhal  gun  sgur  sios  is  suas,  le 
luathas  a  chuireas  farmad  air  na  h-iolairean, 
agus  gu  bheil  eolas  air  a  mheudachadh,  ach 
ciod  a'  chrioch  a  bhios  aige,  agus  c'  uin  a  tha 
am  na  criche,  agus  ciod  a  tha  anns  an  leabhar 
sheulaichte  ? 

Air  uairean  tha  mi  toilichte  gu'm  bi  mi 
naarbh  man  tig  na  nithean  gu  crich  a  tha  mi 
a'  faicinn  air  thoiseach  oirnn  le  m'  shealladh 
goirid  fein,  ach  an  ath  mhionaid  bu  mhaith 
leam  a  bhi  beo  a  dh'  fhaicinn  ciod  a  ni  a' 
ghineal  bg  ris  an  t-saoghal  ur  so  a  thug  iad  a 
steach.  Thubhairt  am  Morair  Leverhume  an  de 
gur  ann  on  mhuir  a  thig  rath  is  soirbheachadh 
do  Leodhas,  is  theagamh  gu'n  abair  Morair 
eile  am  maireach  gur  ann  as  an  adhar  a  thig  e. 
Ach  CO  dhiu  a  thig  ar  cobhair  o'n  mhuir  no 
o'n  speur,  no  bhios  ar  dachaidhean  againn  ann 
soithichean-mara  no  ann  an  soithichean-adhair, 
is  e  Dia  tha  riaghladh  anns  na  diiilean  sin  le 
cheile.  "  Tha  guth  do  thairneanaich  anns  an 
speur,  agus  anns  an  fhairge  tha  do  shlighe." 


Laoidh  Nollaige 

(Air  fonn  "  Eilean  an  Fhraoich  ") 


III 


"  /n  LOIR  do  Dhia  anns  na  h-ardaibh, 

vJ  Bha  na  h-ainglean  a'  seinn  ; 
Leanabh  Oigh'  air  a  thaladh  ; 

Sagart,  Faidh  agus  Righ 
Air  a  bhreith  ann  an  stabull — 

Sgeul  aghmhor  gach  linn, 
Thugaibh  geill,  deanaibh  aite 

Do  Phrionnsa  na  Sith'. 

II 

Chualas  caithream  na  Flaithis, 

Seirm  coisridh  na  Gloir  ; 
Mhosgail  suil  bg  na  maidne, 

Sgap,  sgaradh  na  neoil  ; 
Bhruchd  gras  ann  am  pailteas 

A  fuaran  na  sgeoil  : 
Fath  faruim  an  aoibhneis, 

Dia  foillsicht'  's  an  fheoil. 
Uidhist  a  Deas 


Grian  na  Fireantachd  dh'  eirich 

Le  slainte  'na  sgeith, 
Thoirt  leighis  Ian  eifeachd 

Agus  siochaint  nach  treig  ; 
Thoirt  saorsa  do  pheacaich 

'S  a  thional  an  treid 
Neo-choireach  's  neo-lochdach 

An  Ctimhnant  na  reit. 

IV 

'S  fior  an  radh  so  's  is  airidh 

Air  gach  cor  bhi  'ga  luaidh  : 
Thug  E  'n  gath  as  a'  bhas  dhuinn, 

'S  thug  E  buaidh  air  an  uaigh  ; 
Tha  E  cumh'  chdach  gu  tearnadh, 

'S  tha  sholas-san  buan, 
Gloir  do  Dhia  anns  na  h-ardaibh 

A  dh'  iobair  an  t-UAN. 

Calum  Laing 


Aireamh  2 


93 


Dorchadas  a'   Chroinn-Cheusaidh 

Searmoin  Comanachaidh 

An  t-Urramach  Calum  Mac  Le^id,  M.A.,  an  Glaschu 
A  nis,  o'n  f-seathamh  vair  bha  dorchadas  air  an  t\r  iiiJe,  gus  an  naodhamh  uair." — Mata.  xxvii.  45. 


IS  minic  a  bha  so  a  cur  ionghnadh  orm,  chan  e 
gu  robh  dorchadas  ann,  nuair  a  bha  an  Slanui- 
ghear  beannaichte  a'  fulang  air  an  chrann, 
ach  gu  robh  e  ann  o'n  t-seathamh  gus  an  naodh- 
amh uair — 'se  sin  ann  an  cunntas  an  latha  ud, 
o  mheadhon-la  gu  tri  uairean  feasgar — agus 
nach  robh  e  ann  roimhe  no  an  deidh  sin.  Dh' 
fhaodadh  tu  radh  gu  robh  dorchadas  nadurrach 
do  leithid  a  latha  agus  do  leithid  de  shuidheach- 
adh  do  Dhia  is  do  dhaoine  ;  gu  robh  na  diiilean 
fhein  agus  iad  fo  bhron  agus  co-fhaireachdan 
aca  ri  suidheachadh  is  stait  thruagh  an  Tigh- 
earna  anns  an  chas  'san  robh  e.  Ach  tha  na 
diiilean  fo  laimh  Dhe  nan  dul  agus  mar  sin 
feumaidh  sinn  a  thuigsinn  gu  robh  aobhar  air 
lath  aiffe-san  air  an  dorchadas  so  a  thabhairt 
air  an  tir,  chan  ann  o  thoiseach  fulangais  an 
t-Slanuigheir  gus  na  sguir  iad,  ach  o'n  t-seath- 
amh gus  an  naodhamh  uair.  Tha  fhios,  mata, 
nach  ann  gun  aobhar  a  thug  Dia  an  tiugh 
dhorchadas  so  air  an  tir  o  mheadhon-la  gus  na 
treas  uaire  nuair  a  thug  e  suas  a  spiorad. 

Tha  e  coltach  gu  robh  an  latha  soilleir  breagha 
an  toiseach  nuair  thug  na  saighdearan  leo  losa 
do  thalla  a'  bhreitheanais  agus  a  chruinnich  a 
bhuidheann  aingidh  uile  timchioll  air,  agus  a 
thoisich  iad  air  magadh  air.  An  sin  's 
an  talla  ruisg  iad  e  agus  chuir  iad  seana  chota 
dearg  saighdeir  air,  a'  fanoid  air,  agus  air  dhaibh 
crim  droiffheann  fhiffheadh  chuir  iad  air  a 
cheann  e  agus  chuir  iad  slat  chuilc  'na  laimh 
dheis  agus  liib  iad  an  glim  'na  lathair  agus  rinn 
iad  fanoid  air  ag  radh  :  Gu'm  beannaichear  thu, 
a  Righ  nan  ludhach.  Agus  thilg  iad  smugaid 
air  agus  ghlac  iad  an  t-slat  chuilc  agus  bhuail 
iad  'sa  cheann  e.  Bha  a'  Phearsa  ghlormhor  a' 
fulang  am  bodhaig  's  a'  spiorad,  ach  cha  d' 
fhosgail  e  a  bheul  agus  e  'g  an  gradhachadh  le 
gradh  siorruidh.  Thug  iad  a  mach  e.  Chuir 
iad  an  crann-ceusaidh  air  a  ghualainn — tamailt 
nan  tamailtean — agus  thuii't  iad  ris,  agus  iad 
a'  mionnachadh,  gu'm  feumadh  e  sid  a  ghiiilan 
gu  Calbhari,  aite  a  chrochaidh.  Cha  d'  fhos- 
gail e  a  bheul  agus  e  'g  an  gradhachadh  le 
gradh  siorruidh  ;  agus  eallach  peacaidhean 
dhaoine  air  cuideachd  a  ghabh  air  fhein  an 
garadh  Ghetsemane,  ach  rinn  e  sin  agus  chaidh 
e  air  adhart  fo  an  eallach  so  cuideachd  gus  na 
thuit  e  le  laigse  is  ainmhuinneachd,  agus  cha 


b'  ionghnadh  e.  Agus,  a  chairdean,  so  air  ar 
son-ne  ;  agus  lamh  againn  uile  troimh  an 
pheacadh  anns  an  obair  oillteil  a  bh'  ann.  Nuair 
a  rainig  iad  Calbhari — cnoc  na  croiche  am 
muigh  air  braighe  a'  bhaile^cheus  iad  an  sin 
e  comhla  ri  da  mheirleach,  fear  air  a  laimh 
dheis  agus  fear  eile  air  a  laimh  ehli.  Agus  thug 
iadsan  a  bha  dol  seachad,  a'  gabhail  an  rothaid,' 
toibheum  dha  ag  crathadh  an  cinn  ;  agus  mar 
an  ceudna  thubhairt  na  h-ard-shagairt  maille 
ris  na  sgriobhaichean  agus  na  seanairean  a' 
fanoid  air  :  "  Shaor  e  daoine  eile,  e  fhein  a 
shaoradh  chan  urrainn  e  ;  ma's  e  Righ  Israel 
thigeadh  e  a  nis  a  nuas  o'n  chrann-cheusaidh 
agus  creididh  sinn  e.  Agus  thug  na  meirlich 
a  cheusadh  maille  ris  am  beum  ceudna  dha." 

Bha  so  a  dol  air  adhart  agus  esan  a'  fulang 
air  an  chrann  agus  na  seachd  deamhnan  anns 
an  t-sluagh.  Bha  a'  ghrian  a  dealradh  f  hathast 
agus  an  la  soilleir,  ach  a  nis  aig  an  t-seathamh 
uair  tha  Dia  an  t-Athair  a'  faicinn  agus  a'  fair- 
eachdainn  gu  bheil  fulangas  a  Mhic  agus  ain- 
gidheachd  dhaoine  cho  uamhasach  is  gu  bheil 
iarraidh  aige  air  falach  a  chur  orra.  Agus  thug 
e  dorchadas  air  an  tir  o'n  so  gus  an  robh  an 
obair  chriochnuichte.  Cha  b'ann  gun  aobhar 
a  rinn  e  sin. 

Nuair  a  bhitheas  mi  a'  tathal  air  daoine-tinne 
ann  an  tighean-eiridinn  a  bhaile-mhoir  so  bidh 
mi  faicinn  gu  maith  trie  sgaile  air  a  thari'uing 
timchioll  na  leapa  nuair  a  tha  neach  ag  fulang 
moran,  no  ma  tha  e  ri  uchd  bais.  De  is  coireach 
ris  an  sin  ?  Tha,  nuair  a  tha  sinn  am  mor  phian 
no  am  fior  laigse  gur  miann  leinn  a  bhi  le  ar 
cairdean  a  mhain  agus  air  falbh  bho  dhaoine 
eile.  Chi  mi  na  dluth-chairdean  comhla  riutha 
aig  taobh  na  leapa  an  taobh  a  stigh  de'n  sgail. 
Cha  mhaith  leinn  siiil  coigrich  a  bhi  air  luchd 
ar  gaoil-ne  nuair  a  tha  iad  am  mor  amhghair  no 
ri  uchd  bais.  Agus  bha  dorchadas  air  an  tir  o'n 
t-seathamh  gus  an  naodhamh  uair  ;  tharruing 
Dia  an  t-Athair  siorruidh  sgaile  timchioll  air 
leabaidh  bais — agus  bu  chorrach  i  agus  b' 
anshocrach  i —  aon  Mhac  a  ghraidh-san. 

1 .  Tha  so,  ma  tha,  a  iiochdadh  an  toiseach  dhuinn 
gradh  an  Athar  do  losa  air  a'  chrann. 

Nuair  a  tha  ar  luchd-gaoil  fo  ard-urram  agus 
am  muUach  soirbheachaidh  agus  solais  is  maith 


s 


DORCHADAS  A'  CHROINN-CHEUSAIDH 


leinn  muinntir  eile  sin  f  haicinn.  Chan  'eil  sinn 
airson  an  t-urram  sin  a  ghleidhadh  dhuinn  f  hein 
a  mhain,  is  maith  leinn  gum  bitheadh  fhios  aig 
daoine  eile  air,  mar  an  ceudna.  Tha  seorsa  de 
dh'  uaill  againn  unnta,  agus  is  miann  leinn  an 
nochdadh  do'n  t-saoghal,  co-dhiii  do  gach  neach 
a  thogras  amharc  orra  agus  sin  f  haicinn.  Co  a 
mhathair  nach'eil  Ian  dheonach  an  leanabh 
f  hoillseachadh  do  mhuinntir  eile  aig  am  a  bhais- 
tidh  ?  An  t-Athair  siorruidh  fhein  nuair  a 
bhaisteadh  aon  Mhac  a  ghraidh  dh'  fhosgail  e 
na  neamhan  agus  dhealraich  gloir  a  mach  agus 
thainig  an  Spiorad  Naomh  agus  laigh  e  air,  agus 
thubhairt  e  :  "  Is  e  so  mo  Mhac  gradhach  anns 
am  beil  mo  mhor  thlachd." 

Aig  am  posaidh  tha  e  toirt  aoibhneas  do 
chairdean  na  mna-nuaidh-phosda  gu  faic  muinn- 
tir eile  cho  sgiamhach  is  cho  maiseach  is  a  tha 
i  ;  tha  uaill  aca  aisde  agus  is  miann  ieo  gum 
faic  eadhoin  luchd  dol  an  rothaid  cho  eireachdail 
is  a  tha  i  ;  tha  sinn  Ian  riaraichte  gum  faic 
daoine  eile  seach  sinne,  a  cairdean  i,  aig  am  a 
subhachais  is  a  solais  agus  a  mor  mhaise.  Ach 
an  uair  a  tha  ar  cairdean  ann  an  arnhghar  is  am 
bron,  ann  am  pian  agus  an  eigin  no  ri  uchd  bais 
tarruingidh  sinn  thugainn  fhein  iad  air  falbh  o 
mhuinntir  eile.  Gleidhidh  sinn  iad  o  shiiilean 
coimheach  agus  mar  is  mo  ar  gradh  dhaibh  is 
ann  as  dluithe  a  chumas  sinn  iad  dhuinn  fhein. 
Tarruingidh  sinn  na  sgailean  timchioU  orra. 
Agus  a  nis  tha  aon  Mhac  a  ghraidh  ann  an 
amhghar  ro  mhor  agus  tha  gradh  Dhe  cho 
daingean  is  cho  blath  agus  gu  bheil  e  a  nis  a 
tarruing  sgaile  timchioll  air.  Bho'n  t-seathamh 
uair  bha  am  fulangas  cho  uamhasach,  bha  an 
tamailt  cho  eagallach,  agus  gu'n  tug  an  t-Athair 
air  dorchadas  a  chuairteachadh  gus  am  bidh 
Mac  a  ghraidh  aige  dha  fhein  agus  e  ri  uchd 
bais,  bas  maslach  a  chroinn-cheusaidh.  Thug 
meud  graidh  an  Athar  air,  mata,  an  dorchadas 
so  a  chur  timchioll  a  Mhic  agus  e  an  cruaidh 
chas  air  ar  son-ne. 

Rud  eile,  nuair  a  tha  ar  luchd  gaoil  a  faighinn 
tamailt  is  anacaint  o  dhroch  dhaoine,  nuair  a 
thathas  a  deanamh  taire  orra,  nuair  a  tha  graisg 
is  daoine  gun  diii  a  toirt  tamailt  is  masladh 
dhaibh  is  maith  leinn  an  tabhairt  air  falbh 
bhuapa.  Their  sinn,  Coma  leat,  thig  comhla 
rium-sa  ;  chan  'eil  unnta  ach  a'  ghraisg  agus 
corra-mhargaidh  a'  bhaile.  Bheir  sinn  air  falbh 
ar  caraid  bho  na  daoine  gun  diii.  Agus  a  nis 
nuair  a  bha  droch  dhaoine  is  graisg  an  t-saoghail 
a  toirt  taire  is  masladh  do'n  aon  Mhac  shiorruidh 
bha  an  t-Athair  airson  a  thoirt  air  falbh  bhuapa 
gu  bhi  comhla  ris  fhein  a  mhain,  agus  mar  sin 
chuir  e  dorchadas  timchioll  air,  gus  nach  fhai- 
ceadh  na  daoine  gun  diii  e,  agus  gu'm  bitheadh 
Mac  a  ghraidh  aige  dha-fhein.  Mar  sin  bha 
dorchadas  air  an  talamh  o'n  t-seathamh  gus  an 
naodhamh  uair.  Mar  a  ghradhaich  an  t-Athair 
mise,  ars'  an  Slanuighear  beannaichte  fhein. 


mar  sin  ghradhaich  mise  sibhse.  Agus  thug 
gradh  an  Athar  dorch.ndas  timchioll  air,  'g  a 
chuairteachadh  le  sgaile,  gus  a  dhion  o  theanga 
is  o  thamailt  nan  droch  dhaoine  ud,  agus 
bhuainne.  Seadh  bha  lamh  aig  ar  peacai- 
dhean-ne  ann  an  so  cuideachd  agus  dh'  fhuiling 
e  'n  ar  n-aite-ne.  "  Deanamh  so  mar  chuimh- 
neachan  orm-sa,"  ars'  esan.  "  Gabhaibh  ithibh 
is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air  a  hhriseadh  air  bhur 
son-se." 

Fhaic  thu  cuideachd,  nach  robh  aon  neach 
eile  airidh  air  a  bhi  comhla  ris  an  t-Slanuighear 
'n  a  fhulangas  agus  fo  an  trom  eallach  agus  ri 
uchd  bais  ach  an  t-Athair  siorruidh  fhein.  Tha 
a  nis  an  uair  air  teachd  anns  an  toil  leis  an 
Athair  am  Mac  gradhach  a  bhi  aige  dha  fhein 
agus  a  chridhe  a  cur  thairis  le  gradh  dha  'n  a 
fhulangas  is  'n  a  dhoruinn  do-thuigsinn.  Thoi- 
lich  an  t-Athair  gach  ni  is  neach  eile  a  dhubhadh 
a  mach  bhuaithe  ach  e  fhein  ;  agus  eadhon  's 
an  dorchadas  eagallach  a  bh'  ann,  dorchadas  a 
muigh  agus  dorchadas  graineil  peacaidhean  a 
chinne-daonna  a  stigh  air  anam,  is  ann  a  dh' 
eigh  am  Mac  gradhach  :  Mo  Dhia,  mo  Dhia, 
carson  a  threig  thu  mi.  Agus  an  Athair  fhein, 
mar  gum  b'  eadh  a  tionndadh  aghaidh  air  falbh 
agus  a  chridhe  a  bristeadh  le  fulangasan  Mac 
a  ghraidh.  Agus  so  air  do  shon-sa  agus  air 
mo  shon-sa,  a  charaid.  "  Agus  bha  dorchadas 
air  an  tir  uile  o'n  t-seathamh  gus  an  naodhamh 
uair." 

2.  Tha  an  dorchadas  so  a  rithist  a  nochdadh 
dhuinn  mor  thrbcair  is  fibr  choihhneas  an  Athar  ri 
daoine  peacach. 

Cha  mhaith  leinn  fhein  no  le  duine  sam  bith 
a  bhi  faicinn  ni  granda  no  mi-eireachdail  an 
giiilan  no  an  cleachdadh  daoine  as  aithne  dhuinn, 
neo  gu  h-araidh  a  bhi  faicinn  droch-cleachdaidh 
aig  daoine  a  bhuineas  dhuinn  ;  air  cho  olc  is  'g 
am  bi  iad,  is  maith  leinn  sin  a  chleith  mu  an 
deidhinn.  Tha  cuimhne  agam  uair-eigin  a  bhi 
faicinn  duine  truagh  ri  trod  agus  am  buaireadh, 
a'  deanamh  amadan  is  duine  gu  diu  dheth- 
fhein,  agus  a  bhean  a  tighinn  agus  'g  a  thoirt 
leatha  air  falbh.  So  mar  a  bha  na  daoine  a 
cheus  Criosd,  'n  an  aingidh  is  'n  an  daoine  gun 
diu,  a  deanamh  amadain  is  trusdair  dhiubh- 
f hein,  'n  an  cuis-naire  is  'n  am  masladh  do  neach 
ceart  a  bhuineadh  dhaibh  agus  b'  e  sin  Dia. 
Chruthaich  e  iad  'n  a  iomhaigh  fhein,  thug  e 
dhaibh  buadhan  is  talantan  sonruichte  bhuaithe 
fhein,  agus  bha  iad  a  nis  'n  an  cuis-mhaslaidh 
dha,  ach  bha  trocair  is  coibhneas  'na  chridhe 
dhaibh,  bha  agus  gradh  siorruidh,  agus  thug  e 
mar  gu'm  b'eadh,  air  falbh  iad  o'n  Mhac 
ghradhach  agus  e  am  fulang  a'  bhais  air  an  son, 
chuir  e  sgail  eadar  e  is  iadsan.  "  Agus  bha 
dorchadas  air  an  tir  uile  o'n  t-seathamh  gus  an 
naodhamh  uair."  A  charaid  agus  a  bhana- 
charaid,  tha  so  a  leigeil  fhaicinn  mor  throcair 


DORCHADAS  A'  CHROINN-CHEUSAIDH 


3 


is  mor  choibhneas  Dhe  do  pheacaich,  eadhoin 
dhaibh-san  as  miosa. 

Air  trbcair  Dhe  sior  sheinnidh  mi 
Is  ni  mi  oirre  sgeul. 

Tha  a  throcair  's  a  ghradh  amis  an  dorchadas 
fhein,  ami  an  dorchadas  croinn-ceusadh  a  Mhic 
shiorruidh.  "  Deanaibh  so  mar  chuimhneachan 
ornisa." 

Chunnaic  mi  so  cuideachd  cumanta  am  measg 
cuid  a  dhaoine  :  nuair  a  tha  iad  ann  an  solus  is 
soilleireachd  soirbheachaidh,  gu  bheil  e  buail- 
teach  dhaibh  a  bhi  di-chuimhneachadh  Dhe  is 
a  mhaitheas,  agus  gm-  h-ann  uaithe-san  a  tha 
am  beatha  is  am  bithe  a  sruthadh  ;  bithidh  iad, 
cuid  de  dhaoine,  cruaidh  naimhdeil,  coma  co 
dhiu  de  mar  a  sharaicheas  iad  muinntir  eile  agus 
iad  fhein  ami  an  trein  neart  is  am  mullach 
soirbheachaidh  ;  gach  ni  aca  agus  fo  an  laimh 
mar  is  miann  leo,  tha  iad  gle  choma  de  an  taire 
no  am  pian  a  bheir  iad  do  dhaoine  eile.  Ach 
faic  iad  so  ann  an  amhghar  iad  fhein,  faic  iad 
ann  am  bron  agus  an  dorchadas  agus  saoilidh 
tu  nach  e  na  h-aon  daoine  a  th'  unnta.  Chuir 
an  dorchadas  rudeigin  dedh'uamhannis  do  mho- 
thachadh  'n  an  cridheachan.  Tha  iad  n'as 
nadurraiche  is  n'as  carthannaiche  agus  n'as 
trocairiche  'n  an  gne  is  'n  an  doighean.  Agus 
bu  mhiann  leis  an  Athair  neamhaidh  ni-eigin 
de  throcair  is  de  mhothachadh  fhaicinn  eadhon 
anns  na  peacaich  bu  nihotha  is  bu  thruaighe, 
co-dhiii  tosd  a  chur  air  am  bilean  aingidh  agus 
mar  sin  chuir  e  dorchadas  air  an  tir  uile  o'n 
t-seathamh  uair  gus  an  naodhamh  uair.  A 
charaid,  nach  ionghantach  trocair  is  coibhneas 
Dhe  do  pheacaich.  Is  minic  a  dh'oibrich 
amhghar  is  trioblaid  is  dorchadas  eagal,  agus 
eagal  creidimh  agus  creidinih  gradh  ;  agus  ge 
b'e  neach  a  theid  a  steach  do  dhoi'chadas  a 
chroinn-cheusaidh  tuigidh  e  agus  gheibh  e 
aithne  air  an  so.  Is  ann  o  ghradh  Dhe  a  bha 
an  dorchadas  so. 

3.  Tha  dorchadas  a  chrotnn-cheusaidh  a  tea- 
gaisg  dhuinn  cuideachd  nach  tuig  duine  gu  h- 
iomlan  'na  tha  air  a  ghahhail  a  stigh  ann  am  has 
an  t-Slanuigheir  bheannaichte. 

Chunnaic  an  luchd-ceusaidh  agus  na  bha 
maille  riu  ioma  ni  ionghantach  'n  a  ghiiilan-san 
air  an  chrann.  Cha  robh  stiil  a  bheireadh  e  le 
mor  ghradh  orra  agus  air  an  t-sluagh  timchioll, 
nach  robh  faicinneach  dhaibh  fhad  'sa  bha  an 
t-soilleireachd  ann  ;  cha  robh  car  no  gluasad  a 
dheanadh  anfheoil  bheannaichte  nachfhaiceadh 
iad  ;  cha  robh  gluasad  a  dheanadh  na  bilean 
glormhor  nach  robh  soilleir  dhaibh.  Bha  agus 
do  na  deisciobuil  a  lean  e  gu  Calbhari  agus  do 
Mhuire  agus  do  na  mnathan  diadhaidh  eile. 
Bha  truimead  an  eallaich — eallach  peacaidhean 
a  chinne-daonna — ri  fhaicinn  ;  agus  am  pian 
spioraid  agus  bodhaig,   agus  naire  truaillidh- 


eachd  a  pheacaidh  ri  fhaicinn  gu  soilleir  agus 
a'  ffhrian  a  dealrachadh  air  affus  orra-san.  Ach 
aig  an  t-seathamh  uair  tha  e  mar  gu'm  b'eadh 
a  dol  n'as  duimhne  ann  an  ifrinn  a  pheacaidh  : 

Chaidh  umam  dbruinn  geur  a  hhais, 
Ghlac  piantan  ifrinn  mi  : 
Theann  ghlacadh  mi  le  trioblaid  thruaigh, 
Is  amhghar  cruaidh  do  m'  chlaoidh. 

Agus  bha  dorchadas  an  uair  sin  'g  a  chuair- 
teachadh  o'n  bha  fhulangas  ni  bu  duimhne  is  ni 
bu  dhiomhaire  na  gumfaiceadhno  gu'n  tuigeadh 
duine  iad — ach  an  t-Athair  a  mliain.  Bha  an 
gradh  siorruidh  a  bha  e  a  doirteadh  a  mach  air 
an  chrann  ni  bu  duimhne  is  ni  bu  dhiamhuire 
is  ni  bu  mhiorbhuiliche  na  gu'm  faiceadh  no 
gu'n  tuigeadh  neach  'sam  bith  e  ann  an  iom- 
lanachd  ;  agus  mar  sin  bha  dorchadas  air  an 
tir  uile  o  so  a  mach  gus  an  tug  e  suas  an  spiorad. 
Sin,  a  charaid,  miorbhuile  na  h-iobairt-reite  agus 
a  chroinn-cheusaidh — gu  bheil  ann  moran  n'as 
motha  agus  n'as  seasmhaiche  agus  n'as  glormh- 
oire  na  chi  no  a  thuigeas  an  neach  as  fhearr 
no  an  neach  as  diadhaidhe  a  bha  a  riamh  air 
thalamh. 

Tha  a  charaid,  moran  soilleir  de  ghradh  Dhe 
's  a'  chrann-cheusaidh — o'n  bha  a  ghrian  a  deal- 
radh  roimh  an  t-seathamh  uair  agus  an  deidh 
na  naodhamh  uaire — moran  a  bharrachd  na  na 
thuigeas  sinne,  ged  dh'  fhaodadh  sinn  fhaicinn 
's  a  thuiffsinn  ni  b'  fhearr  nam  bitheadh  sinnni 
bu  dileise  is  ni  b'  eudmhoire  agus  ni  b  iorasaile 
— ach  tha  moran  a  thuilleadh  ann  nach  tuig 
duine  a  tha  beo  's  an  t-saoghal-sa.  Dh'  f  hulling 
e  so  air  ar  sgath-ne  agus  rinn  e  so  air  ar  son-ne. 
De  a  ni  sinne  dha-san  agus  air  a  shon-san  ? 
"  Deanaibh  so  mar  chuimhneachan  ormsa  ;  oir 
cia  minic  agus  a  dh'itheas  sibh  an  t-aran  so  agus 
a  dh'  olas  sibh  an  cupan  so  tha  sibh  ag  cumail 
cuimhne  air  bais  an  Tighearna  gus  an  tig  e." 
"  Ithibh,  a  chairdean,"  tha  e  ag  radh  ribh, 
"  Olaibh,  seadh,  olaibh  gu  pailt,  a  luchd  mo 
ghaoil." 

Fritheakdli  a'  Bhuird 

"Agus  thubhairt  an  Tighearna  ri  Maois,  Feuch 
thig  mise  a  f  ionnsuidh  ann  an  neul  Hugh,  chum  giCn 
cluinn  an  sluagh  an  uair  a  lahliras  mi  riut,  agus  mar 
an  ceudna  gu''n  creid  iad  thu  gu  siorruidh." — Exodus 
xix.  9. 

CARSON  nach  d'  thainig  an  Tighearna  dh' 
ionnsuidh  a  shluaigh  ann  an  dealrachd  solus 
a  Phearsa  ?  Shaoileadh  sinne  gum  bitheadh  sin 
ni  bu  chomharraichte  agus  ni  bu  chomasaiche 
air  gloir  is  cuanihachd  Dhe  a  nochdadh  dhuinn. 
Theagamh  gum  bitheadh  ;  ach  tha  a  dhoigh 
fhein  aig  Dia — agus  tha  an  doigh  sin  daomian 
cothromach  is  ceart — agus  chan  ami  gun  aobhar 
a  tha  e  a'  tighinn  thugainn  iomadach  uair  ann 
an  tiugh  neul  mar  a  thainig  e  gu  Maois  is  gu 
clann  Israel. 


FRITHEALADH  A'  BHUIRD 


Fhaic  thu  lus  nach'  eil  cleachdaichte  air  an 
t-solus  cha'n  f  hulling  e  gu  h-obann  dealradh  is 
teas  na  greine.  Lus  a  tha  a'  fas  ann  an  dubhar 
no  an  dorchadas  agus  nach'eil  a  faighinn  a  bheag 
de  sholus,  ma  chuireas  tu  e  ri  aodann  greine 
seargaidh  e  agus  theid  e  dholaidh.  Sin,  a 
chairdean,  mar  a  tha  sinne — tha  ar  saorsa  is  ar 
beatha  a  co-sheasamh  ann  gu  bheil  Dia  air 
uaireannan  a  tighinn  do  ar  n-ionnsuidh  ann  an 
tiugh  neul  ;  oir  chan  'eil  daoine  peacach  niar 
a  tha  sinne  ann  daonnan  cleachdaichte  air  gloir 
is  dealradh  a  phearsa  naoimhe-san.  Mar  sin 
tha  e  a  tighinn  thugainn  'na  mhor  choibhneas 
is  'na  ghradh  ann  an  dubhar  is  an  dorchadas. 
Seall  nuair  a  thainig  an  Slanuighear  beanaichte 
fhein  chum  an  t-saoghail-sa  cha  b'  ann  am 
morachd  gloir  na  siorruidheachd  a  thainig  e, 
ach  chuir  e  e-fhein  an  dimeas  a  gabhail  air 
fhein  cruth  seirbheisich  ;  bha  e  'na  dhuine 
dhoilgheasan  is  eolach  air  bron  agus  dh'  f  holaich 
sinn  mar  gu'm  b'  eadh  ar  n-aghaidh  uaithe. 
Thainig  e  mar  gu'm  b'eadh  ann  an  neul  tiugh 
agus  an  dorchadas.  Agus  tha  e  a  tighinn 
thugainn  e  gu  minic  agus  air  ioma  doigh  ann  an 
tiugh  neul. 

(1)  Nach  trie  a  thainig  e  dh'  ionnsuidh  a 
phobuill  fhein  ann  an  neul  trioblaid.  Ann  an 
tinneas  agus  an  trioblaid,  is  minic  a  thainig  e 
agus  a  nochd  e  dhuinn  a  lathaireachd  agus  a 
mhaitheas.  Is  trie  a  bha  ar  cridhe  a  lasadh 
agus  ar  spiorad  a  deanamh  gairdeachais  agus 
sinn  an  neul  tinneis  is  anmhuinneachd.  Cha 
b'ann  aon-uair  no  da-uair  a  dh'  oibrich  tinneas  is 
bron  a  chum  maith  do  shluagh  an  Tighearna, 
agus  sin  le  e-fhein  a  thighinn  d'an  ionnsuidh. 
A  chairdean,  is  coir  dhuinn  a  bhi  ag  amharc  ris 
an  Tighearna,  ar  Slanuighear  is  ar  fear-com- 
hair,  ann  an  tinneas  is  am  bron  o'n  tha  e-fhein 
ag  radh  :  Feuch  thig  mi  a  t'  ionnsuidh  ann  an 
neul  tiugh. 

(2)  A  rithist  is  trie  a  thainig  agus  a  thig  e 
ann  am  bochdainn  is  an  uireasbhuigh.  An 
duirt  an  sean-fhacal,  agus  is  fior  e  :  "  Thig  Dia 
ri  aire  agus  chan  aire  nuair  a  thig."  Nuair  a 
tha  gainne  is  ganntar  air  daoine,  an  uair  sin  is 
minic  a  nochd  esan  e-fhein  dhaibh  le  a  bheann- 
achd  is  le  a  phailteas,  mar  a  rinn  e  do'n  bhan- 
traich  bhochd  de  mhuinntir  Sharepta.  Nuair 
nach  eil  nithean  a  soirbheachadh  leinn  agus  a 
tha  camadh-sa-chrannchur  againn  is  minic  a 
thainig  agus  a  thig  esan  anns  an  tiugh  neul  sin. 
A  charaid,  chan  ann  a  mhain  ann  an  soirbhea- 
chadh is  an  solas  a  thiff  esan  a  dh'  ionnsuidh  a 


phobuill  fhein  ach  ann  am  bochdainn  is  am 
feum  agus  an  uair  a  bhitheas  camadh-sa-chrann- 
chur aca.  Feuch  thig  mi  a  t'  ionnsuidh  ann 
an  tiugh  neul.  Gu  dearbh  b'e  an  Slanuighear 
is  am  fear-comhair  e. 

(3)  A  chairdean  ionmhuinn,  ma  tha  so  fior 
agus  tha,  o'n  chan'  eil  gin  againn  an  so  aig  a' 
Bhord  naomh  nach  d'  fhuair  eolas  air,  'na 
f hiosrachadh  fhein,  is  ann  a  tha  e  fior  da  rireadh 
gu  bheil  e  tighinn  thugainn  ann  an  dorchadas  a 
chroinn-cheusaidh.  Is  ann  'na  fhulangasan  is 
'na  bhas  air  a  chrann  a  fhuair  sinne  eolas  graidh 
siorruidh  airsan,  agus  a  tha  an  gradh  is  an  eolas 
so  air  a  mheudachadh  dhuinn.  Is  ann  'san 
tiugh  neul  so  a  tha  e  a'  tighinn  dh'  ionnsuidh 
mhorain  agus  a  toirt  soluis  is  saorsa  dhaibh. 
Thug  e  ar  n-eallach  is  ar  n-eire  dhinn  fo  sgaile 
a  chroinn-cheusaidh  ;  agus  bheir  bho  gach  anam 
a  thig  d'a  ionnsuidh-san  a  tha  air  a  cheusadh 
air  an  son.  Agus  bha  dorchadas  air  an  tir  viile 
o'n  treas  gus  an  naodhamh  uaire.  Agus  thu- 
bhairt  an  Tighearna  :  Feuch  thig  mi  a  t'ionn- 
suidh  ann  an  neul  tiugh. 

(4)  Aon  ni  eile.  Thig  e  do  ar  n-ionnsuidh  ann 
an  neul  a  bhais.  Seadh  ged  shiubhail  mi  troimh 
ghleann  sgaile  a  bhais,  cha  bhi  eagal  uilc  orm  ; 
oir  tha  thusa  maille  rium.  Aig  Dia  is  ro 
phriseil  bas  a  naoimh,  oir  thig  e  d'  an  ionnsuidh 
ann  an  neul  a  bhais  agus  bheir  e  a  steach  iad 
do  thigh  nan  ioma  aite  comhnuidh  comhla  ris 
fhein. 

"  Is  maith  am  huachail  an  oidhche  ; 

bheir  i  dhachaidh  gach  beothach  is  duine." 

Feuch  thig  mi  a  t'  ionnsuidh  ann  an  neul  tiugh 
a  bhais  agus  bheir  mi  thu  comhla  rium  fhein  gu 
siorruidh  ; 

"  Sin  comhnaicheam  an  hros  He 
ri  fad  mo  re  's  mo  lb." 

Agus  sin  uile  troimhe-san  a  dh'  fhuiling  am  bas 
air  ar  son  agus  'n  ar  aite,  agus  a  thainig  thugainn 
ann  an  tiugh  dhorchadas  a  chroinn-cheusadh. 
Gabhaibh  ithibh  is  e  so  mo  chorp-sa  a  tha  air 
a  bhiseadh  air  bhur  son-se  ;  deanamh  so  mar 
chuimhneachan  ormsa  ;  oir  cia  minic  is  a  dh 
itheas  sibh  an  t-aran  so  agus  a  dh'  olas  sibh  an 
cupan  so  tha  sibh  a  foillseachadh  bais  an 
Tighearna  gus  an  tig  e  air  neulaibh  a  t'  ionn- 
suidh, a  chum  gu'n  cluinn  an  sluagh  an  uair  a 
labhras  e  riut,  agus  mar  an  ceudna  gu'n  creid 
iad  thu  ffu  siorruidh. 


Bas  a'  mhairtirich  Policarp 

NiALL  Mac-an-Tuairneir,  F.R.H.S.,  Loch  Portain,  an  Uidhtst  a  Tuath 


SMOCH    a    thoisich    geur-leanmhuinn 
aghaidh  deisciobuil  Chriosd. 
Thoisich    a'   gheur-leanmhuinn   sin   ann 


laithibh  nan  abstoil.  Bu  chompanach  Policarp 
do  dh'-Eoin,  deisciobul  ionmhuinn  Chriosd. 
Tha  eachdraidh  bais  an  duine  ainmeil,  's  an 


BAS  A'  MHAIRTIRICH  POLICARP 


duine  mhaith  so,  air  teachd  an  nuas  d'ar  n-ionn- 
suidh  ann  an  leabhraichean  anns  am  faodar 
Ian  earbs'  a  charamh. 

Bha  Policarp  ceithir  lichead  's  a  coig-deug  a 
dh'aois  'nuair  a  chaidh  a  chuir  gu  bas.  Bha 
geur-leanmhuinn  eagalach  aig  an  am  sin  air 
eiridh  ann  am  baile-mor  na  Roimhe  an  aghaidh 
gach  h-aon  bha  giixlan  ainm  an  t-Slanuighear. 
B'eiginn  do  Phohcarp  am  baile-mor  fhagail  car 
tamuill,  agus  an  diithaich  'thoirt  air,  far  an  robh 
a  chairdean  a  tamh,  ann  an  dochas  gu'n  rachadh 
a  gheur-leanmhuinn  seachad.  Fhad  'sa  bha 
e  'san  aite  sin,  chuir  e  seachad  'nine  gu  leir 
ann  an  urnuigh,  ag  aslachadh  sith  agus  samh- 
chair  do  dh'eaglais  Chriosd.  Tri  laithean  mu'n 
do  ghlacadh  e  le'n  naimhdean  guineach,  tha- 
chair  dha  bhi  na  sheomar,  air  a  ghlunaibh  aig 
cathair  grais  ;  agus  air  ball  mhothaich  e  solus 
dealrach  mu'n  cuairt  da.  Chunnaic  e  lasair, 
mar  gu'm  biodh  i  'g  eiridh  as  a  leaba,  is  i  r'a 
theine.  Chaidh  an  lasair  as.  Dh'fhag  an  duine 
naomha  an  seomar  ;  is  air  dha  a  chairdean  a 
choinneachadh,  thubhairt  e  riutha  nach  robh 
feum  dha  bhi  seachnadh  a  bhais  'bha  feitheamh 
air  ;  "  oir  "  ars'esan,  "  tha  mi  tuigsinn  gur 
h-e  toil  mo  Thighearna  gu'm  bi  mi  air  mo 
chuir  gu  bas  mar  fhianuis  air  son  creidimh 
Chriosd." 

Rinn  a  chairdean  na  b'urrainn  iad  chum  a 
chleith  's  'fholach.  Thug  iad  leo  e  do  dh'aite 
eile  ;  ach  coma  c6  dhiubh  fhuaradh  a  mach  e. 

B'fhurasda  dha  teicheadh,  n'am  bu  mhiann 
leis,  ach  'nuair  chual'e  gu'n  robh  iad  air  a  thoir, 
dh'fhan  e,  gun  oidheirp  air  bith  thoirt  air  an 
seachnadh.  "  Toil  an  Tighearna,"  ai's'  esan, 
"  gun  robh  diante."  Dh'fhailtich  e  'naimhdean 
gu  suilbhir,  's  dh'orduich  e  biadh  is  deoch  a 
thoirt  dhaibh.  "  Cha'n  eil  mi  ag  iarraidh 
sochair  air  bith  'uaibh,"  ars'  esan,  "  ach  gu'n 
leigeadh  sibh  leam  bhi  aon  uair  an  uaireadair 
a'm  sheomar  fein,  gu  urnuigh  'dheanamh." 

Thug  iad  an  cead  so  dha,  agus  shuidh  a 
chairdean  maille  ris.  Thaom  e  mach  a  chridhe 
an  sin  ri  Dia  ann  an  urnuigh  dhurachdadh,  air 
dhoigh  a  thaislich  agus  a  leagh  cridhe  gach 
aon  bha  lathair. 

Chuir  cruth  is  coslas  flaitheal  an  duine  aoi- 
gheal  so,  le  chiabhan  fada  geal,  's  e  dluth  do 
cheud  bliadhna  a  dh'aois,  seorsa  do  sgath  air  a 
naimhdean,  'nuair  chunnaic  iad  cho  misneachail, 
dana,  earbsach  's  a  bha  e,  agus  cho  suarach  mu 
na  piantaibh  eagalach  bha'  feitheamh  air. 

'Nuair  b'eiginn  falbh,  ghabh  e  cead  d'a  chair- 
dean cho  ciiiin  samhach  's  ged  a'  robh  e  ri 
tachairt  orra  an  ceann  seachduin.  Charaich 
iad  air  muin  as  ail  e,  agus  dh'  fhalbh  iad  air  an 
t-slighe  do'n  bhaile-mhor.  Thachair  uachdran 
a'  bhaile  air  ann  an  carbad,  agus  'athair  maille 
ris.  Thug  iad  air  Pohcarp  tighinn  bharr  a 
bheothaich  air  an  robh  e  marcachd,  agus  suidhe 
maille  riutha  's  a  charbad. 


"  Carson  "  ars'  iadsan  "  nach  aicheadh  thu 
Criosd  ?  Carson  nach  aidich  thu  Caesar  'na 
dhia  ?  Dean  so,"  ars'  iadsan,  "  agus  tha  thu 
tearuinte." 

"  Cha'n'eil  sin  'nam  chomas  "  ars  esan,  cha'n 
urrainn  mi  ;  cha  dan  leam  ;  cha'  n'eil  a'  chridhe 
agam."  Chain  is  smaid  iad  e  mar  amadan  gun 
tuisge.  Thilg  iad  mach  as  a'  charbad  e,  measg 
nan  clach,  leis  an  do  shiach  e  a  shliosaid.  Ach 
cha  Tobh  comas  air  ;  b'eiginn  da  imeachd  agus 
coiseachd  air  aghaidh,  bacach,  leonta,  briiite, 
truagh  mar  a  bha  e.  Thugadh  do  dh'aite  a 
mhargaidh  e,  far  an  robh  anabarr  sluaigh  cruinn, 
a'  faicinn  nan  cluithean  bha  'dol  air  aghaidh, 
agus  beathaichean  fiadhaich  a  mortadh  's  ag 
itheadh  a  cheile.  Air  dha  bhi  'na  sheasamh 
'san  aite  eaglach  so — fuaim  is  gleadhraich,  is 
iipraid  mhallaichte  air  gach  taobh  dheth — chual 
'e  guth  'ard  mor  o  neamh  ag  radh,  "  Bi  fo  dheagh 
mhisnich,  a  Pholicarp  bi  laidir  ;  na  bi  fo  eagal  ; 
seas  gu  duineil  na  chuirear  ma  d'choinneamh 
Chual  iadsan  'bha  dliith  dha  na  briathran  ;  ach 
thuig  e  fein  's  na  cairdean  criosdail  bha  maille 
ris  CO  'uaithe  thainig  iad. 

Chruinnich  a  nis  anabarra  sluaigh  m'a  thim- 
chioll,  'nuair  a  chual'  iad  co  bh'ann  agus  gu'n 
robh  e  ri  bhi  air  a  losgadh.  Thainig  maor  mor 
a  bhaile,  a  dh'fheoraich  dheth,  "  An  d'tusa 
Policarp  ?  "  Agus  air  dha  aideachadh  gu'm 
b'e, — "  Guidheam  ort'  ars'  esan  aicheadh 
Criosd,  agus  abair  gur  e  Caesar  a's  dia.  Mion- 
naich  air  Caesar  ;  dean  aithreachas,  agus  abair 
nach  fear-leanmhuinn  thusa  air  Criosd.  Cuimh- 
nich  gur  duine  aosmhor  thu  ;  oir  cha'n  eil  toil 
air  bith  agam-sa  do  chuir  gu  bas,  ma's  urrainn 
domh.  " 

Fhreagair  Policarp,  Cha'n  aicheadh  mi  Criosd; 
cha'n  urrainn  mi.  Cha  mhionnaich  mi  air 
Caesar  ;  bas  no  beatha  cha  toir  ormsa  sin  a 
dheanamh." 

Mionnaich  air  Caesar,"  ars'  am  maor, 
"agus  gheibh  thu  as."  "  'Ne  mise  ?  "  arsa  Poli- 
carp "  gu'n  aicheunain-sa  Cruisd  !  Ceithir 
fichead  bliadhna  a's  corr  bho'n  a  dh'aidich  mi 
e — 'o'n  thug  mi  mi  fein  suas  da,  eadar  anam 
agus  chorp. 

Cha  d'rinn  mo  Shlanughear  caomh  eucoir, 
no  olc,  no  dearmad,  na  deuchainn  ormsa  riamh  ; 
sheas  e  mi,  agus  seasaidh  e  mi.  Ciamar  is 
urrainn  dhomh  nis  mo  Righ  agus  mo  Dhia  dhi — 
chuimhneachadh  ? — esan  a  thainig  o  neamh 
g'am  iarraidh — bhasaich  air  mo  shon  agus 
dh'eirich  air  mo  shon — 'tha  nis,  seadh  nis  fein 
a  guidheadh  as  mo  leth  air  deas-laimh  'Athair  ! 
Cha  dean,  cha  dean.  Eisd  co  mi — eisd  m'  aid- 
mheil  dheireannach.     Is  criosduidh  mi. 

"  Thoir  an  aire,"  ars'  am  maor  mor,  "  ciod 
tha  thu  'g  radh.  Tha  beatheachain  fiadhaich 
dluth  dhuit  air  an  am  ;  tilgidh  mi  thu  steach 
'nam  measg  mar  geil  thu.  Tha'n  teine  air 
fhadadh  ;  tha'n  lasair  ag  eiridh.     Am  meadhon 


6 


AN  DILEAB  A  DH'  FHAG  CRIOSD  AIG  NA  DEISCIOBUIL 


na  lasaraich  ud  tilgear  thu,  ann  an  tiota  beag, 
mar  striochd  thu." 

Fhreagair  Policarp,  "  Mo  thruaighe  !  tha 
thusa  bagradh  teine  a  lasas  car  tamull,  's  a 
mhilleas  a'  chollunn  air  an  am  ;  ach  tha  thu 
aineolach  air  an  teine  nach  smalar,  is  nach  gabh 
dol  as  gu  diUnn  na  gu  siorruidh — na  lasraichean 
garg  tha  feitheamh  air  naimhdean  Dhe.  Na 
dean  maille,  cha  dean  do  bhagraidean  ciiis." 
Air  dha  labhairt  mar  so,  las  aghaidh  an  duine 
naomha  le  dealas  agus  gairdeachas  ard. 

Faiceamaid  a  bhinn — Tha  Pohcarp,  an  crios- 
duidh  ri  bhi  air  a  losgadh  gu  bas.  Thog  an 
sluagh  iollach  gairdeachas — "  Tha  Policarp — 
athair  nan  criosduidhnean — gu  bhi  air  a  los- 
gadh !  "  arsa  mile  agus  deich  mile  beul.  B'e 
mian  luchd — riaghlaidh  a  bhaile  a  thilgeadh 
measg  nam  beatheachain  fiadhaich  ;  ach  ghla- 


odh  an  sluagh,^ — "  Loisgibh  e  !  lasaibh  an 
teine  !  " 

Thoisich  Policarp  beannaichte  ri  'aodach  a 
chur  dheth,  cho  socrach,  ciiiin,  samhach,  's  a 
rinn  e  riamh  'dol  gu  tamh  na  leaba  fein.  Nuair 
bha  iad  dol  'g  a  thairneachadh  ri  maide  mor, 
air  an  robh  iad  r'a  losgadh  thubhairt  e,  "  Cha 
ruig  sibh  a  leas  mo  cheangal,  cha  ghluais  mi. 
Tha  Dia  maille  rium,  a's  neartaichidh  esan  mi 
ann  an  am  na  deuchainn.  Cha  ghluais  mi  lamh 
na  cas."  Bha  cuid  do  na  braithrean  criosduidh 
maille  ris  a  gul  'sa  caoidh  ;  ach  labhair  e  riutha 
gu  misneachail  agus  thog  e  an  cridheachan. 

An  deigh  dha  urnuigh  dhiirachdach  a  dhean- 
amh,  charaich  naimhdean  an  duine  naomha  so 
air  teine  ro-mhor  e.  Cha  chualas  osna  na 
glaodh.  Ann  an  uine  ghearr  bha  chollunn  'na 
luaithre  ach  bha  'anam  maille  ri  Dia  ann  an  srloir. 


An  Dileab  a  dh'  fhag  Criosd  aig  na  Deisciobuil 

An  t-Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Tigh  an  Uillt 


THA  e  na  chleachdadh  aig  mor  shluagh  an 
t-saoghail  mun  tig  crioch  am  beatha  tiom- 
nadh  a  dheanamh  agus  an  cuid  de'n  t-saoghal 
a  roinn  is  fhagail  aig  cairdean  is  luchd  daimh. 

Cha  dean  duine  tiomnadh  ach  duine  aig  a 
bheil  a  bheag  no  mhor  air  choireigin  ri  fhagail 
as  a  dheigh.  |i,Tha  na  dileabaich  air  an  cunntas 
fortanach  ach  gle  thric  tha  e  tachairt  gu  bheil 
airgiod  a  thig  air  neach  mar  sin  air  a  chur  gu 
mi-fheum,  mar  tha  an   scan  fhacal  ag  radh 

an  rud  a  thig  leis  a  ghaoith  falbhaidh  e  leis 
an  uisge — ach  'se  tha'n  sin  ach  sgeul  eile. 

Ma  theid  dearmad  a  dheanamh  air  dliith 
chairdean  an  am  bhith  deanamh  an  tiomnaidh 
bidh  an  ceol  feadh  na  fidhle  agus  theid  lamh 
a  thoirt  air  lagh  na  rioghachd  gus  a  dhearbhadh 
nach  robh  am  fear-tiomnaidh  aige  fein,  nuair 
rinn  e  dichuimhne  orra-san. 

Tha  mi  cinnteach  nach  nobh  duine  riamh  air 
talamh  na  bu  bhochda  na  Criosd  agus  roinn  e 
na  bh'aige  air  a  Dheisciobuil.  Cha  robh  tigh 
no  fonn  aige,  oir  dh'  fhag  e  an  dachaidh  as  a 
dheigh  agus  chaidh  e  a  mach  16m  falamh  a 
chum  na  h-oibre  air  son  an  d'thainig  e  dh'  ionn- 
suidh  an  t-saoghail.  Cha  robh  aite  taimh  aige 
ach  ann  an  tighean  choigreach  no  air  na  sleibh- 
teandluth  do'n  bhaile.  Thuirt  e  fein.  "  Thatuill 
aig  na  sionnaich  agus  nid  aig  eunlaith  an  adhair, 
ach  chan  eil  aite  aig  Mac  an  duine  anns  an  cuir 
e  a  cheann  fodha." 

Nuair  thaining  crioch  a  thuruis  cha  robh  ni 
aige,  cha  mho  bha  eudach  riomhach  'gu  chomh- 
dach.  Nuair  fhuair  e  bas  air  a'  chrann  cha 
robh  uime  ach  trusgan  tana  agus  ghabh  na 
saighdearan  a  cheus  e  sealbh  as. 

Bha  e  bochd  da  rireadh  na  chrannchar,  cha 
robh  ni  de  shaoibhreas  an  t-saoghail  so  aige, 


agus  an  deigh  sin  uile  chuimhnich  e  air  a 
Dheisciobuil,  agus  cha  d'fhag  e  falainh  iad. 
"  Tha  mi  fagail  sithe  agaibh,"  ars  esan,  "  mo 
shith-se  tha  mi  toirt  dhuibh." 

Feumaidh  mar  sin  gu  bheil  da  sheorsa  de 
shaoibhreas  ann,  an  saoibhreas  sin  a  laimh- 
sicheas  agus  a  chosgus  duine.  Air  am  bi 
meirlich  a  sealg  feuch  am  faigh  iad  cothrom 
air  a  ghoid,  agus  an  saoibhreas  sin  nach  gabh 
goid  agus  air  nach  ruig  meirg  no  leomann. 

Thug  Criosd  do  na  Deisciobuil  aige  ni  a 
b'fhearr  gu  mor  na  or  is  airgiod.  Tha  cuimhne 
agaibh  air  leughadh  ann  an  Leabhar  nan 
Gniomharan  mar  chunnaic  Peadair  is  Eoin  an 
duine  bacach  aig  dorus  an  Teampuill  ag  iarraidh 
deirce.  Thuirt  Peadair  ris,  "  Airgiod  no  or 
chan  eil  agam  ach  an  ni  a  tha  agam  bheir  mi 
dhuit.  An  ainm  losa  Criosd  O  Nasaret,  eirich 
agus  imich."  Dh'  eirich  e  agus  dh'  imich  e. 
Rinn  ainm  losa  an  ni  nach  b'urrainn  or  no 
airgiod  a  dheanamh. 

Nuair  leughas  tu  eachdraidh  a  bheatha  agus 
a  ghabhas  tu  beachd  air  bheir  thu  fanear  an 
t-sith  iongantach  a  bha  e  a'  sealbhachadh. 
Nuair  dh'iarr  an  sluagh  a  chrunadh  mar  righ, 
cha  do  rinn  e  uaill  mhor  as  an  iarrtus,  agus  a 
ris  nuair  ghlaodh  iad  ceus  e  cha  robh  e  air  a 
chur  mun  cuairt  gu  mor.  Bha  e  gu  ciuin 
ciallach  mar  bhata  air  acair  ann  an  calla  seimh. 

Tha  da  sheorsa  de  shith  ann,  an  t-sith  sin  a 
bhuineas  do'n  t-saoghal  so  agus  an  t-sith  a 
bhuineas  don  t-saoghal  a  ta  neo-fhaicsinneach. 
Tha  e  comasach  do  neach  e  fein  a  ghluasad  air 
a  leithid  de  dhoigh  agus  nach  teid  e  fein  agus 
an  Saoghal  thar  a  cheile.  Bidh  an  neach  sin 
daonan  ag  amharc  air  na  nithean  a  bhuineas 
dha  fein.     Anns  an  doigh  sin  tha  e  comasach 


MATHAIR  NA  CREUD 


dha  moran  a  sheachnadh  a  chuireadh  dragh  air 
nan  robh  e  an  aghaidh  an  t-saoghail.  Tha 
leithid  sin  de  dhuine  mar  bhata  bhios  daonan 
a  sioladh  an  cois  a  chladaich  agus  a  diultadh 
dol  a  mach  do'n  doimhneachd  mhoir  far  a  bheil 
na  tuinn  ag  eiridh  suas  gu  bras. 

Seall  a  nis  cho  furasd  'sa  bha  e  do  Chriosd 
cumail  a  stigh  air  an  t-saoghal  agus  a  thoil  a 
dheanamh  ach  chan  ann  air  son  sin  a  thainig  e 
dh'  ionnsuidh  an  t-saoghail.  Bh'  fhearr  leis  sith 
a  bhi  aige  ri  Dia  na  ris  an  t-saoghal  a  theid 
seachad.  Ghlaodh  an  saoghal,  "  tha  Deamhain 
aige,"  ach  ghlaodh  Dia  "  Is  e  so  mo  mhac 
gradhach."  Ghlac  an  saoghal  e  mar  ghadaiche 
ach  fhritheil  ainglean  Neamh  dha. 

Chi  thu  an  da  sheorsa  sith  air  an  do  I'inn  mi 
luaidh  ma  sheallas  tu  air  Criosd  an  lathair 
Philait.  Bha  f  hios  math  aig  Pilat  na  chridhe 
nuair  chunnaic  e  Criosd  na  lathair  nach  robh 
e  coireach  agus  nach  do  rinn  e  gniomh  air  bith 
a  bha  toillteanach  air  bas  ach  bha  eagal  nan 
ludhach  air,  agus  eagal  an  Righ.  Chual  e  na 
h-Iudhaich  a'  radh  "  Ma  leigeas  tu  as  am  fear 
so  chan  eil  thu  'nad  charaid  do  Chaesar."  Cha 
bu  dana  leis  cur  a  mach  air  an  t-saoghal. 

Amhairc  a  nis  air  Criosd,  bha  tair  air  a  dean- 
amh  air,  agus  masladh  air  a  thoirt  dha,  ach 
bha  moralachd  na  ghnuis  agus  cha  robh  eagal 
no  fiamh  air  roimh  dhuine  sam  bith.  Bha  sith 
Dhe  aige.  Air  a  chrann  cheusaidh  thug  e  beatha 
mhaireannach  do'n  ghadaiche  a  bha  air  crann 
ri  thaobh. 


Saoilidh  daoine  gur  e  ni  iongantach  a  bh'ann 
gun  d'  f hulling  fear  aig  an  robh  a  leithid  de 
chumhachd,  mar  dh'  fhuiling  e  ann  an  Getse- 
mane  agus  air  Calbhari,  ach  is  ann  air  son  ntiath 
dhaoine  dh'  fhuiling  e  na  nithean  sin  agus  bha 
sith  Dhe  ga  chomhnadh  gus  an  d'  thug  e  suas 
an  deo. 

Tha  feadhainn  ann  nach  eil  a'  creidsinn  anns 
an  t-sith  sin  oir  tha  sith  an  t-saoghail  aca  agus 
cha  d'fhuair  iad  riamh  eolas  air  bron  no  air  bas. 
Ach  cha  mhair  a  chuis  mar  sin  daonan  Thig  an 
latha  fhathast  nuair  thig  calldachd  is  boch- 
dainn  'nan  rathad  agus  teichidh  sith  an  t-sao- 
ghail so  air  falbh.  Tha'n  t-sith  so  coltach  ris  a 
chuan  mhor,  aon  latha  bidh  fiath  nan  ian  ann 
agus  an  ath  latha  bidh  e  troimhe  cheile  's  e 
'g  eiridh  suas  na  chaoiribh  geala. 

Smuainich  air  na  Deisciobuil  aig  losa  's  iad 
cruinn  anns  an  t-seomar  uachdrach  air  an 
oidhche  ud.  Labhair  Criosd  cho  coibhneil 
riutha  agus  dh'  fhag  e  a  shith  aca. 

Bha  e  a'  dealachadh  riutha  agus  bha  aca  ri 
dhol  a  mach  leo  fein.  Bha  iad  a  dol  a  mach  do 
dhorchadas  an  t-saoghail  agus  a  measg  naimh- 
dean,  ach  bha  sith  aca  nach  b'  urrainn  an 
saoghal  a  thoirt  uatha. 

"  Tha  mi  fagail  sithe  agaibh  ;  mo  shith-se 
tha  mi  toii't  dhuibh,  chan  ann  mar  a  bheir  an 
saoghal  tha  mise  toirt  dhuibh." 

Sin  mata  an  dileab  luachmhor  a  dh'  fhag 
Criosd  aig  a  Dheisciobuil  miin  d'  fhag  e  an 
saoffhal. 


Mkhair  na  Creud 


Le  R.  D. 


AN  cuala  sibh  guth  riamh  air  mathair  na 
-creud  ?  Cha  chuala  mise  iomradh  orra  gus 
an  d'  fhuair  mi  colas  air  bean  choir  a  mhuinntir 
an  Eilein. 

Bha  euid  de  na  foclan  nach  ro  i  gle  chinnteach 
asda,  gu  araidh  anns  an  t-sreath  mu  dheireadh. 

"  Creideam's  an  Athair  uile  threun, 

A  thug  do'n  chruinne-che  a  bliith  ; 

A  chruthaich  neamli  us  talamh  trom. 

An  cuan  agus  am  fonn  fa  leth  ; 

Creideam  ann  an  losa  Criosd, 

Aon-mhac  siorruidh  Dhe  na  gloir. 

A  dh'  adhlaiceadh  's  a  luidh  san  uaigh, 

'S  a  dh'  eirich  's  a  chaidh  suas  gu  neamh, 

'S  a  tha  air  deas  laimh  an  Athair  a'  tamh, 

Gus  am  pill  e  nuas  fa-dheoidh, 

A  thoirt  breth  air  beo  's  air  mairbh, 

"  Maranat  "  o  shuas  :  gu  ma  amhiuidh  a  bhitheas." 

"  Innsidh  mi  dhuibh  naigheachd  bheag  air 
an  mhnaoi  aosda  dhall  bho'n  d'  fhuair  mi 
Mathair  na  Creud." 

"  Gle  mhaith,"  fhreagair  mi. 

"  Nuair  a  bha  mise  sia  miosan  a  dh'aois, 
dh'fhalbh  mo  mhathair,  agus  mise  na  h-achluis, 
maille  ri  dithis  mhnathan  oga  eile  gu  orduighean 


an  Ath-Leathain.  Tha  sin  fad  bho  Loch 
Snisort.  An  deigh  dhoibh  iomadh  mile  a  choi- 
seachd,  thubhairt  Mairi  ri  mo  mhathair,  "  thoir 
dhomh  fhein  an  leanabh,  's  thusa  sgith." 

Rinn  ise  sin.  Lean  iad  romhpa  agus  an 
oidhche  a  tighinn,  gus  an  do  rainig  iad  aite  uaig- 
neach  far  an  bithte  a  faicinn  rudan.  Chunnaic 
iad  gun  teagamh  ni  eigin  mor  a  teachd  'nan 
comhdhail. 

"  Thoir  dhomh  fhein  an  leanabh,  a  Mhairi." 

Cha  toir,  arsa  ise.  Tha  e  cho  tearuinte  agam 
fhein  agus  a  bhitheadh  e  agadsa.  Ma  mharbhas 
an  rud  a  tha  ann  mise  marbhaidh  e  thusa." 

"  Ma  ta,"  fhreagair  Caristiana,  an  treas  te, 
"  thoir  dhomhsa  am  bata,  agus  rachamid  air 
adhairt  ann  an  neart  an  roinn  so." 

Tha  angeal  Dhe  a'  campachadh 
Mu'n  dream  d'  an  eagal  e 
G'am  fuasgladh  is  'gan  teasairginn 
O'n  trioblaidibh  gu  leir. 

Ghabh  iad  greim  air  gairdeanaibh  a  cheile 
agus  chaidh  iad  air  adhart  a'  deothal  as  an  rann 
a  thug  Caristiana  dhoibh.     Mar  bu  dliiithe  a 


AIG  AN  UINNEIG— LAOIDH  COMANACHAIDH 


bha  e  teachd  orra's  ann  bu  mho  bha  e  fas,  gus 
mu  dheireadh  am  faca  iad  da  adharc  mhor  ard. 
Cha  robh  teagamh  nach  e  an  droch  aon  a  bha 
ann,  ach  ann  an  creidimh  chmn  iad  rompa. 
Gu  samhach  seachad  ri'n  taobh  chaidh  duine 
air  muin  eich,  agus  damh  mor  feidh  marbh  aige 


air  a  bheulaibh.  Nach  ann  aig  na  mnathan 
oga  a  bha  an  creideamh,  nuair  a  chaidh  iad  a 
choinneachadh  an  ni  a  bha  diiil  aca  a  b'e  Satan  ? 
Cumaidh  ni  as  lugha  na  sin  cuid  as  an  eaglais 
an  diugh.  'Se  sud  an  seorsa  bho'n  d'thainig  na 
Gaidheil. 


Aig  an  Uinneig 


An  fheadhainn  nach  maireann 

BHO  chionn  ghoirid  thainig  am  bas  air  triiiir 
mhinistearan  Gaidhealach  air  an  robh 
moran  de  hichd-leughaidh  nan  duilleagan  so 
eolach,  Paruig  Mac  Griogair,  an  Daoghal ; 
Gilleasbuig  Mac  Leoid,  a  bha  iiine  fhada  anns 
an  eaglais  Shaoir  an  sgir  an  Lagain ;  agus 
Domhnull  I.  Mac  Aonghuis,  am  Bmi-IHdh. 
B'aithne  dhomh  Gilleasbuig  Mac  Leoid  an  uair 
a  bha  e  anns  a'  Chollaist  an  Diin-eideann,  blia- 
dhnachan  air  thoiseach  orm,  ach  ged  chaill  sinn 
sealladh  air  a  cheile  an  deidh  dha  CoUaist  na 
h-Eaglaise  Saoire  fhagail,  bhithinn  a'  cluinntinn 
iomraidh  air  an  drasd  's  a  ris,  is  bha  fhios  agam 
gu  I'obh  meas  air  mar  mhinistear  soisgeulach 
agus  mar  dhuine  coir. 

Tha  an  leabhar  anns  am  faighear  cunntas  air 
ministearan  na  h-Eaglaise  Saoire  cho  truagh 
lom  's  nach  'eil  ann  mu  Ghilleasbuig  Mac  Leoid 
ach  "gu'n  do  rugadh  e  an  siorramachd  lonar-nis 
agus  gu  robh  e  air  a  shuidheachadh  an  Ath 
Tharracuil  an  1899-" 

Chan  'eil  cuimhue  agam  c'uin  a  chaidh  e  do 
Bhaideanach,  ach  is  ann  an  sin  a  choimhlion  e 
a'  chuid  a  b'fhearr  d'a  mhinistrealachd.  As  an 
Lagan  chaidh  e  gu  coimhthional  Beurla,  an 
Eangaidh,  is  shaothraich  e  an  sin  gus  an  do  leig 
e  dheth  a  dhreuchd  bho  chionn  bhliadhnachan, 
an  droch  shlainte.  Is  e  Uidhisteach  a  bha  ann 
a  thaobh  a  dhtichais. 

***** 

Is  e  Peairteach  a  bha  am  Paruig  Mac  Griogair; 
rugadh  e  am  Fearnan.  Bha  e  air  oileanachadh 
an  saroil  Rainina:  an  lonar-nis  agus  am  Oil-thiffh 
Dhiin-eideann  :  air  a  shuidheachadh  an  Gleann 


Comhann  an  1891  ;  an  Asaint  an  1896  ;  an 
Tobar  Mhoire  an  1898  ;  an  Cnoc  Mhoire  an 
1907  ;  agus  an  Daoghal  an  1912. 

Bha  e'n  a  sgoilear  maith  agus  'n  a  dhuine 
maith  ;  ciiiin  agus  iriosal  agus  faiceallach  'na 
ghiiilan  agus  'n  a  sheanchas.  B'fhiach  a  shear- 
moin  eisdeachd  riu,  ach  bha  aon  fhasan  aige 
nach  robh  maith,  bhiodh  e  a'  diuiadh  a  shul  anns 
a'  chubaid  an  aite  sealltuinn  air  daoine  an  clar 
an  aodainn. 

^  ^  ilfi  iii  iji 

Bhuineadh  Mghr  Mac  Aonghuis  do  na 
Hearadh.  Shaothraich  e  an  He  ;  an  Cille 
Chuimein  ;  anns  a'  Chnoc  Bhan ;  an  Ullabul ; 
agus  anns  na  miosachan  mu  dheireadh  d'a 
bheatha  am  Bun-iUdh,  far  an  do  chaochail  e 
gu  h-obann.  Bha  e  mor  agus  gasda  'n  a 
phearsa,  'n  a  shearmonaiche  soisgeulach,  agus  'n 
a  dhuine  coibhneil.  Bho  chionn  bhliadhnachan 
cha  robh  a  shlainte  ro  mhaith,  ach  an  deidh 
dha  sgireachd  thi'om  Ullabul  fhagail  chaidh  e 
na  b'  fhearr,  is  thoisich  e  air  obair  a  ris,  ach 
thainig  a'  chrioch  gu  grad  air. 

Litreachadh  na  Gaidhlig 

A  thaobh  's  gu  bheil  ainm  is  aite-seasaimh 
dhaibh  fein  aig  gach  aon  de'n  fheadhainn  a 
tha  a'  sgriobhadh  anns  na  duilleagan  Gaidhlig 
air  a'  mhios  so  tha  mi  a'  fagail  nan  sgriobh 
aidhean  sin  mar  bha  iad  air  an  ceartachadh  air 
son  a'  chlo  leo  fein.  Tha  mi  'n  an  comain  air 
son  beagan  fois  a  thoirt  dhomh  mu  laithean 
na  Bliadhna  Uire,  agus  a'  toirt  moran  taing 
dhaibh  an  dochas  gu'n  toir  iad  dhuinn  an  tuill- 
eadh  uair-eigin  eile. 


Laoidh  Gomanachaidh 


Nuair  dhearcas  mi  air  crann  nam  buadh. 
Air  an  do  cheusadh  Righ  na  Gloir, 
Measam  gach  buannachd  mar  ni  truagh, 
'S  is  tair  's  is  fuath  leam  m'  uabhar  mor. 

Gu'n  deanainn  uaill,  nar  leigeadh  Dia, 
Ach  an  crann-ceusaidh  Chriosd  's  'na  ghras 
'S  gach  ni  air  am  bu  mho  mo  mhiadli, 
Lan  striochdam  e  d'a  fhuil  's  d'a  bhas. 


Gach  lamh,  gach  cas,  a  cheann,  's  a  chliabh 
Tha  'sileadh  broin,  le  gradh  d'a  reir  ; 
Gradh  's  bron  cho  mor  am  facas  riamh, 
No  crim  cho  briagh  de  dhroighionn  geur  ? 

Ged  a  bu  leam  air  'fhad  an  saogh'l, 
Bu  thiodhlac  e  gu  tur  ro  chrion  ; 
Bu  neo-ni  truagh  mar  dhiol  d'a  ghaol 
Mo  bheatha,  m'anam,  is  gach  sion. 


Aireamh  3 


93 


Na's  Maisiche  na  clann  nan  daoine 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac  Aonghuis,  M.A.,  Hacraig 
"  Glbir  Dhe  ann  an  gnuis  losa  Criosd." — 2  Coh.  iv.  6. 


IS  e  aon  deagh  chomharradh  air  ar  ginealachd- 
ne  gu  bheil  moran  'n  ar  measg  a  tha  gabhail 
tlachd  ann  an  eachdraidh  agus  ann  an  seanchas 
nan  aimsirean  a  dh'fhalbh,  agus  gu  h-araidh 
ann  am  beatha  agus  an  gniomharan  nan  curaidh- 
ean,  nam  feallsanach,  agus  nam  faidhean,  a 
bhuannaich  cliu  n  an  linnfhein.  Agus,  ann  am 
beachd  leughadair  an  latha  'n  diugh,  chan'eil 
an  t-tighdar  ach  a'  tighinn  goirid  air  a  dhleas- 
danas  mur  toir  e  dhuinn,  chan  e  a  mhain  deagh 
chunntas  air  euchdan  agus  inntinn  a  chuspair, 
ach  comhla  ri  sin,  iomradh  mionaideach  air 
coltas  a  ghniiise  agus  cumadh  a  phearsa.  Is 
toigh  leinn  fhaotainn  a  mach  an  robh  e  ard  no 
goirid,  caol  no  reamhar,  tlachdmhor  'na  aghaidh 
no  suarach  'na  chumadh.  Tha  an  t-iighdar  mar 
is  trice  a'  deanamh  oidhirp  dhileas  air  son  am 
miann  nadurrach  sin  a  shasachadh,  agus  tha 
ealantas  an  dealbhadair  a'  toirt  comhnadh  do 
pheann  an  sgriobhadair.  Tha  sinne  cho  eolach 
air  aghaidh  Ualter  Scott  agus  Gladstone  is  a 
tha  sinn  air  gniiis  ar  nabuidh  an  ath  dhorus. 

'Nuair  a  leughas  sinn  na  Sgriobtuirean,  chan 
fhaigh  sinn  ni  dheth  sin.  'Na  phearsa,  de  seorsa 
duine  a  bha  ann  an  Abraham,  no  ann  am  Maois? 
An  robh  Isaiah  cho  rioghail  'na  ghniiis  's  a  tha 
e  moralach  'na  bhriathran  ?  Co  aige  a  tha 
brath.  Cha  robh  suim  aig  seanchaidhean  Israel 
anns  na  nithean  sin.  Ni  mo  gheibh  sinn  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  cunntas  air  pearsa  an 
t-Slanuigheir  anns  an  fheoil.  Rinneadh  am 
Facal  'na  fheoil  agus  dh'  amhairc  na  h-abstoil 
air  gloir  na  feola  a  bha  comhdach  P'acal  Dhe. 
Ach  cha  do  fhreagair  na  h-abstoil  a'  cheist  a  bha 
agus  a  tha  ann  an  cridhe  mhoran,  "  De  bu 
choltas  do  losa  nuair  a  bha  e  air  an  talamh  ?  " 

Chan  urrainn  dhomh  a  chreidsinn  gu  bheil 
mearachd  ann  a  bhi  ag  iarraidh  soluis  air  a' 
chilis  sin.  Faiceamaid,  mata,  an  gabh  oidhirp 
deanamh  a'  cheist  sin  a  fhreagairt. 

Bha  faidhean  Israel  a  ghnath  a'  feitheamh  ri 
teachd  a'  Mhessiah.  "  Oir  gu  deimhin  tha  mi 
ag  radh  ruibh  gu'm  b'iomadh  faidh  agus  firean 
leis  am  bu  mhiann  na  nithe  so  fhaicinn  a  tha 
sibhse  faicinn  agus  nach  faca  iad.  "  Ach  ged 
nach  robh  an  sealladh  agus  an  eisdeachd  sin  air 
a  bhuileachadh  orra  gu  corporra,  thug  an 
Spiorad  Naomh  dhaibh  leirsinn  agus  claisteachd 
eile  mar  ghealladh  agus  mar  chomharradh  air 
na  nithean  a  bha  ri  teachd. 

Agus  anns  an  45mh  Salm,  tha  an  Salmadair 


ag  radh  :  "Is  maisiche  Thu  na  clann  nan 
daoine  ;  dhoirteadh  gras  ann  ad  bhilean  ; 
crioslaich  do  chlaidheamh  air  do  leis,  O  ghais- 
gich ;  le  d'  ghloir  agus  le  d'  mhoralachd  ;  de 
mhirr  agus  de  alos  agus  de  chassia  theid  faile 
o  d'thrusgan  uile,"  Bithidh  am  Messiah  dreach- 
mhor  'na  phearsa,  aillidh  'na  ghnuis,  oirdhearc 
'na  thrusgan,  sonruichte  am  measg  dheich 
mile. 

Tha  Isaiah  a'  toirt  dealbh  eile.  "  Is  co  mhor 
a'  mhi-mhaise  a  rinneadh  air  aghaidh  seach 
aghaidh  duine  ;  agus  air  a  dhreach  seach  dreach 
chlann  nan  daoine."  "  Cha  robh  dreach  no 
moralachd  aige,  gu'n  amhairceamaid  air  ;  ni  mo 
bha  maise  aige,  gu'n  gabhamaid  tlachd  ann. 
Tha  e  air  a  dhimeas  .  .  .  lotadh  e  .  .  ,  tha  e 
air  a  chlaoidh."  An  e  so  an  Righ  glormhor  agus 
maiseach,  a  tha  marcachd  air  aghaidh  gu  buadh- 
ach  ?  An  gabh  e  bhi  gu  bheil  sinn  ag  amharc 
air  an  aon  ghnuis  anns  an  da  dhealbh  sin  ? 

Anns  an  rannsachadh  so,  chan  fhaigh  sinn 
moran  soluis  o  na  Soisgeulaich.  Tha  sinn  a' 
faireachduinn  gu'm  bheil  sinn  an  lathair  Neach 
a  tha  tarruing  d'a  ionnsuidh  fhein  gradh  agus 
creideamh  mhoran,  agus  air  an  laimh  eile  a  tha 
co-eigneachadh  eagal  agus  ball-chrith  ann  an 
cridheachan  dhaoine  eile.  Thig  a'  chlann  bheag 
d'a  ionnsuidh  gu  subhach  ait  ;  tha  saighdearan 
an  Aird-Shagairt  a'  tuiteam  gu  lar  'nuair  a 
labhras  E  "  Is  Mise  E."  Tha  na  Soisgeulaich  a' 
mothachadh  mar  a  bhiodh  E  a'  tionndadh  air 
son  amharc  timchioll  air  an  t-sluagh,  mar  a 
bhiodh  E  a'  togail  a  shiiilean  ann  an  iirnuigh, 
agus  gu  h-araidh  ann  modh  anns  am  biodh  E  a' 
glacadh  an  arain  an  deidh  buidheachais,  'ga 
bhriseadh  agus  'ga  roinn  'n  am  measg.  As 
deidh  na  h-aiseirigh,  cha  d'aithnich  Cleophas 
agus  a  chompanach  E  gus  an  do  ghabh  E  an 
t-aran  'na  laimh  'ga  bhriseadh.  Ann  an  ciad 
linntean  na  h-eaglais,  bha  da  bheachd  a'  faotainn 
creideas  a  thaobh  na  ceiste  so.  Tha  fear  de 
sheanairean  urramach  na  eaglais  d'am  b'ainm 
Justin  Martyr  ag  radh.  "  Cha  robh  grinneas 
sam  bith  ann  an  aodann  an  t-Slanuigheir.  Cha 
robh  maise  'na  ghniiis.  Cha  robh  E  ach  mi- 
thlachdmhor  'na  chumadh." 

Bha  feallsanach  paganta  beo  anns  an 
treasamh  linn  d'am  b'ainm  Celsus  ;  tha  e  ain- 
meil  air  son  an  naimhdeas  a  nochd  e  do'n 
chreidimh  Chriosduidh  agus  a  chionn  gu'n  do 
sgriobh   Tertullian   an   aghaidh   a   bheachdan. 


a  NA^S  MAISICHE  NA  CLANN  NAN  DAOINE— CEANN  CAORACH 


Arsa  Celsus  :  "  Tha  e  air  aithris  nach  robh  E 
(losa)  ach  'na  dhuine  beag,  agus  gu'n  robh  a 
ghntiis  mi-mhaiseach."  Agus  tha  TertulhaD 
fhein,  fear-lagha  tapaidh  a  bhuineadh  do  Africa 
a  Tuath  agus  a  bhuannaich  ainm  agus  cHii  air 
son  a  bhi  dion  a'  chreidimh  Chriosduidh  ri  hnn 
na  geur-leanmhuinn,  a'  cur  briathran  dorcha  an 
t-Salmadair  (S.  22)  air  bilean  Chriosd.  "  Ach  is 
cnuimh  mise  agus  cha  duine,  masladh  dhaoine 
agus  tair  an  t-sluaigh."  Air  an  laimh  eile  bha 
moran  de'n  bheachd  gu  robh  Criosd  sgiamhach 
'na  phearsa  agus  aiUidh  'na  ghnuis  ;  a'  creidsinn 
gu'n  deachaidh  briathran  an  t-Salmadair  a 
choimhlionadh  gu  htireil  agus  gu  robh  E  na's 
maisiche  na  clann  nan  daoine. 

Chaidh  an  lamh-sgriobhaidh  ris  an  canar 
"  Litir  Lentulus  "  a  chur  ri  cheile  timchioll  air 
annaoidheamhhnn,ged  abha  daoine  a'  creidsinn 
air  son ceudanbhadhna gu'n  deachaidh  a sgriobh- 
adh  le  neach  a  chunnaic  losa  anns  an  fheoil. 
Ach  is  maith  dh'fhaoidhte  gu'n  robh  an  sgriobh- 
adair  ag  uisneachadh  eolais  a  thainig  d'a 
ionnsuidh  tre  na  ginealaich.  Arsa  "  Litir  Len- 
tuhis  "  ;  "  Bha  E  de'n  airde  choitcheann  ;  a 
reir  cleachdadh  na  Nasaratach  bha  fhalt  air  a 
roinn  anns  a'  mheadhoin  agus  air  a  chumail  gu 
ordail  min  sios  seachad  air  a  chhiasan,  ach 
fodhna  sin,  tha  fhalt  a'  tuiteam  'n  a  chiabhagan 
duallach  timchioll  air  a  ghuaillean  ;  tha  barran 
an  fhuilt  na's  soilleire  na  chuid  eile,  agus  a' 
dealradh  le  lainnir  theinnteach  6r-bhuidhe  ;  tha 
a  mhala  seimh  siobhalta  agus  ciiiin  ;  tha  a 
shuilean  dubh-ghorm  agus  tha  an  tuar  a'  caoch- 
ladh  gun  stad.  Tha  E  uamhasach  'na  fheirg, 
truasmhor  agus  coibhneil  'na  bhriathran,  subh- 
ach  agus  toilichte  'na  ghiiilan.  Air  uairean 
bithidh  E  a'  gul  ach  riamh  chan  fhacas  E  a' 
deanamh  lasgan  gaire.  Annsan  chaidh  briath- 
ran an  fhaidh  a  choimhlionadh,  "  Tha  Thu 
na's  maisiche  na  clann  nan  daoine." 

Tha  cupan  airgid  an  diugh  ann  an  America 
a  b'abhaist  a  bhi  ann  an  seann  eaglais  Antioch 
anns  na  ciad  linntean  ;  tha  sgoilearan  araidh 
am  beachd  gu'n  deachaidh  an  cupan  sin  a 
dhealbh  anns  a'  chiad  linn  'nuair  a  bha  iad 
fhathast  beo  a  chunnaic  losa  anns  an  fheoil. 
Agus  air  taobh  a  muigh  a'  chupain  sin  tharr- 
uing  am  fear-ceaird  dealbh  a  tha  nochdadh 
dhuinn  deichnear  de  na  h-abstoil  agus  am 
Maighistir  'n  am  meadhoin.  Chi  sinn  duine 
goirid  diimhail  ;  tha  an  ceann  mor  agus  a 
mhala  ard  ;  tha  an  lethcheann  trom  tiugh  ;  na 


bilean  tana  agus  am  beul  duinte.  Chan'eil 
maise  shonruichte  sam  bith  ri  f  haicinn,  ach  arsa 
fear  a  chunnaic  an  cupan,  "  Chan  urrainn 
dhomhsa  innseadh  'n  am  bhriathran  bochda 
fhein  de'n  aillidheachd  spioradail  a  tha  comh- 
dach  na  gniiise  sin."  Tha  fear  eile  ag  radh, 
"  Cha  b 'urrainn  dhomh  amharc  ro-  fhada,  oir 
bha  na  deoir  a'  dalladh  mo  leirsinn." 

Am  bheil  urras  againn  gu  bheil  a  h-aon  de 
na  dealbhan  sin  a  reir  na  f irinn  ?  Cha  toir  mise 
freagairt  do'n  cheist  sin.  Ach  tha  so  cinnteach 
gu  leor.  Is  ann  a  reir  cor  agus  uireasbhuidh 
ar  n-anma  a  tha  Criosd  'ga  fhoillseachadh  fhein 
do  gach  neach.  Thainig  an  sgeul  so  a  nuas  o 
shean  agus  tha  i  fior  ann  am  modh  spioradail. 
Nochd  Criosd  E  fhein  as  deidh  na  h-aiseirigh 
do  bhuidheann  bheag  de  na  deisciobuill.  Arsa 
Eoin,  "  Tha  mise  a'  faicinn  seann  duine  agus 
feusag  thiugh  liath  air."  Arsa  Seumas,  "  Tha 
mise  a'  faicinn  duine  bg  treun."  Arsa  balach 
beag  a  bha  comhla  riu  "  Tha  mise  a'  faicinn 
leanabh  maoth." 

Tha  aon  neach  a'  faicinn  an  Fhaidh  a  tha 
foillseachadh  ruintean  diomhair  Dhe.  Tha 
neach  eile  a'  toirt  a  ghraidh  do'n  Ard-Shagart 
a  choisrig  a  chorp  fhein  air  a'  chrann  mar  iobairt 
air  son  peacaidhean  an  t-saoghail.  Do  neach 
eile  tha  e  'ga  nochdadh  fhein  'na  Righ  os  cionn 
gach  Righ,  agus  mar  Thighearna  os  cionn  gach 
Tighearna.  Tha  an  treud  bheag  ag  aith- 
neachadh  an  deagh  Bhuachaille.  Tha  na  daoine 
amhgharach  ag  aithneachadh  an  Lighiche  Math. 
Tha  esan  a  tha  cosnadh  aran  laitheil  le  fallus 
a  ghntiise  a'  toirt  urram  do  shaor  Nasaret.  Tha 
an  sluagh  aingidh  a'  coinneachadh  a'  Bhrei- 
thimh  Ceart.  Agus  gu  h-araidh  tha  gach 
peacach  truagh  a  tha  tionndadh  air  falbh  o  a 
pheacadh  le  cridhe  briste  agus  le  spiorad  briiite 
ag  ionnsachadh  gur  E  so  Uan  Dhe  a  tha  toirt 
air  falbh  peacaidhean  an  t-saoghail.  "  Gloir 
Dhe  ann  an  gniiis  losa  Criosd.  "  "  Co  mhor  am 
milleadh  a  rinneadh  air  affhaidh  seach  aohaidh 
duine."  Is  e  ar  peacaidhean  a  b'aobhar  do'n 
mhilleadh  sin.  Creuchdan  losa  Criosd  ;  is  e  ar 
lamhan  a  lot  e. 

Ach  nach  eil  an  aghaidh  mhillte,  an  corp 
briste,  na  creuchdan  uamhasach,  na's  maisiche 
ann  an  siiilean  Criosduidh  na  maise  nadurra 
a  chunnacas  riamh  air  an  talamh.  Anns  an 
t-seadh  is  airde  "  Is  maisiche  E  na  clann  nan 
daoine  ;  tha  E  sonruichte  am  measg  dheich 
mile." 


Ceann  Caorach 


Air  a  dheasachadh  le  M.  C.  R. 

CHA    robh    ceilidh    againn    bho    chionn    sia  rium,  ach  's  ann  mar  a  bha  a'  chuis  gu'n  robh  an 

miosan.    'S  i  mo  bharail  fhein  gu  'n  robh  an  Sgoilear  agus  an  Dotair  ro  thrang  mu  nithean 

uine  sin  ro  fhada  gun  chomhradh  Gaidhlig  a  bhi  eile. 

againn.    Bha  am  Fear-lagha  de  'n  aon  bheachd  Tha  iad  'n  am  buill  de   'n  Chomunn  Sean- 


CEANN  CAORACH 


3 


aimsireil  (Antiquarian  Society),  agus  mar  is  siixe 
a  tha  iad  a'  fas,  's  ann  is  eudmhoire  a  tha  iad 
mu  na  nithean  a  bhuineas  do  'n  chomunn  sin. 

'S  an  earrach  so  chaidh  fhuair  an  Sgoilear  a 
mach,  air  sliabh  aig  ciil  a'  bhaile,  aite  ris  an 
abair  na  feallsanaich  "  Raised  Beach,"  agus  a 
h-uile  latha  math  a  thigeadh,  chiteadh  an 
Sgoilear  moch  is  anmoch  a'  ruamhar  's  a'  riirach 
feadh  na  talmhainn.  'S  iomadh  uair  a  thachair 
mi  air  a'  tighinn  dachaidh  's  an  f  heasgar,  spaid 
bheag  fo  achlais,  agus  a  phocanna  Ian  de  sporan 
agus  cinn  shaighead,  agus  an  leithid  sin. 

Tha  e  ag  radh  gu'n  do  rinneadh  an  acfhuinn 
sin  leis  na  daoine  beaga  a  bha  comhnuidh  anns 
an  aite  bho  chionn  sia  no  seachd  mile  bliadhna. 
('S  ann  aig  an  Sgoilear  fhein  a  tha  an  t-eolas  !) 

Agus  tha  an  Dotair  neo-ar-thaing  ris  an 
Sgoilear  a'  rannsachadh  eachdraidh  an  ama  bho 
shean.  Ma  thachras  tu  ris  a'  tighinn  dachaidh 
aig  beul  na  h-oidhche,  faodaidh  tu  bhi  cinnteach 
gu  bheil  seann  bhrath,  no  iarmad  eile  de  na 
linntean  a  dh'  fhalbh,  aige  's  a'  charbad-ola,  oir 
tha  an  Dotair  a'  rannsachadh  a  h-uile  larach 
caisteil,  no  seann  eaglais,  no  cill  's  an  diithaich, 
agus  a'  cur  gach  ni  priseil  a  gheibh  e  fo  chtiram 
an  Tigh-iongantais  's  a'  bhaile,  far  am  bi  iad 
gleidhteach,  tearuinnte. 

Thug  an  Dotair  barr  air  an  Sgoilear,  oir 
thainig  e  air  seann  larach  Manachainn,  'nuair 
a  bha  e  a'  cladhach  ann  an  gleann  air  chor- 
eigin,  agus  bha  e  gle  mhor  as,  oir  cha  robh  fios 
aig  duine  's  an  diithaich  gu'n  robh  a  leithid  de 
ni  riamh  's  an  aite. 

Thug  e  cunntas  anns  a'  phaipeir-dhiithchail 
mu  eachdraidh  nan  seann  togalaichean  sin,  agus 
an  deidh  beagan  uine  thoisich  litrichean  air 
tighinn  thuige  o  gach  oisinn  de  'n  t-saoghal. 
So  mar  a  thoisich  aon  dhiubh  : — 

"  O  'n  a  tha  sibh  cho  mion-eolach  air  each- 
draidh na  sgireachd,  bhithinn  fada  'n  'ur  comain 
na  'm  biodh  sibh  cho  math  agus  innseadh 
dhomh  mu  dheighinn  mo  sheana-mhathar  a  bha 
fuireach  's  an  aite  bho  chionn  ceud  bliadhna. 
.  .  .  !  " 

'S  iomadh  uair  an  uaireadair  a  chuir  an  Dotair 
seachad  a'  freagairt  nan  htrichean. 

Ach  mu  dheircadh  thall,  o  'n  a  thainig  an 
geamhradh,  dh'  aidich  an  Sgoilear  's  an  Dotair 
gu  'n  robh  iad  ag  ionndrainn  na  Gaidhlige,  agus 
chruinnich  a'  bhuidheann  bheag  againn  air 
cheilidh  air  oidhche  Di-mairt  so  chaidh.  Ach 
ma  chruinnich,  chaidh  an  deagh  ghreis  seachad 
mu  'n  do  rainig  sinn  ciiis  aobhar  na  ceilidh. 
Thoisich  an  Dotair  agus  an  Sgoilear  air  bruidh- 
inn  's  air  bruidhinn  anns  a'  Bheurla,  mu  na 
"  Cistercians  "  agus  na  "  Chmiacs,"  gus  mu  dheir- 
eadh  an  do  thionndaidh  am  Fear-lagha  rium 
agus  an  d'  thubhairt  e  's  a'  Ghaidhlig,  "  Agus 
ciod  e  do  naidheachd  an  nochd  ?  " 

Ma  ta,"  arsa  mise,  "  'Si  mo  naidheachd  gu 
'n  do  chruinnich  sinn  an  nochd  air  sgath  na 


Gaidhlige,  ach  a  reir  coltais  tha  a'  Bheurla  air 
tolladh  a  steach, — aig  an  ruith  so  cha  bhi  cor  na 
Gaidhlige  ach  bochd  gu  leoir.  B'  f  hearr  dhuinn 
a  bhi  'n  ar  suidhe  mu  'n  cuairt  air  a'  bhord  air 
cathraichean  cruaidh  agus  toiseachadh  as  iir  air 
dol  troimh  'n  Ghrammar." 

Ge  b'e  ainm  a  their  sibhse  ri  dol  troimh  'n 
Ghrammar,  ars'  an  Dotair,  "  cha  'n  e  Ceilidh  a 
theirinn-sa  ris,  ach  thug  an  Grammar  sgeul 
mhath  'n  am  chuimhne,  agus  innsidh  mi  dhuibh 
i  ma  thogras  sibh." 

"  Gle  mhath,  air  'ur  n-aghaidh,"  arsa  each, 
toileach  gu  leoir  an  grammar  a  sheachnadh. 

An  doighean  diomhair 

O  chionn  bliadhna  no  dha,  mar  is  aithne 
dhuibh,  chaidh  ar  bana-charaid  Sine  Nic  Iain  air 
sgriob  do  na  h-Innsibh  a  dh'  f  haicinn  a  brathar. 
'Nuair  thainig  an  t-am  gu  tilleadh  dhachaidh 
thachair  gu  'n  robh  laithean-feille  aig  a  brathair 
agus  ghabh  e  fhein  agus  a  bhean  an  turus 
comhla  rithe. 

Am  measg  an  luchd-turuis  air  a'  bhata  bha 
boirionnach  d'  am  b'  ainm  Bean  Chananaich — te 
ard-ghuthach,  fad-theangach.  Aig  am  bidh, 
shuidh  i  aig  an  aon  bhord  ri  Sine  's  a  cairdean, 
agus  bhiodh  i  a'  bruidhinn  fad  na  h-tiine. 

Dh'  eisd  Sine  gu  modhail  ri  a  cuid  seanachais 
fad  latha  no  dha,  ach  an  deidh  sin,  mhothaich 
i  i  fein  mar  gu'm  b'  eadh  ag  eisdeachd,  gun  a 
bhi  gabhail  a  steach  aon  fhacal. 

Latha  de  na  laithean,  a'  dliithachadh  ri  Mar- 
seilles, agus  iad  aig  an  trath-maidne,  bha  Bean 
Chananaich  a'  bruidhinn  gu  h-ard  mar  a  b'abh- 
aist  mu  iomadh  rud,  ach  aig  an  am  so  dh'  fhan 
aon  ni  a  thubhairt  i  ann  an  inntinn  Sine,  agus 
b'e  so  e,  "  B'e  mo  sheanair  a  sgriobh  a'  cheud 
ghrammar  Tamil." 

Chaidh  Sine  agus  a  cairdean  air  tir  aig  Mar- 
seilles. Chuir  iad  seachad  an  latha  a'  dol  bho 
aite  gu  aite  feadh  a'  bhaile,  agus  mu  dheireadh 
chaidh  iad  gu  tigh-osda  airson  an  dinnearach. 
Shuidh  iad  aig  bord  beag  ann  an  oisinn  an 
t-seomair,  agus  thug  iad  fainear  duine  og  gasda 
'na  shuidhe  aig  bord  eile  dluth  orra. 

Cha  robh  iad  fada  'nan  suidhe  gus  an  d 'thainig 
an  duine  og  far  an  robh  iad. 

"  Le  bhur  cead,"  ars'  esan,  "  thig  mi  a  dh', 
ionnsuidh  a'  bhiiird  agaibhse.  Tha  mi  cho 
toilichte  a  bhi  cluinntinn  fuaim  na  Beurla." 

'Se  'ur  beatha,"  ars  iadsan,  agus  an  deidh 
beagan  comhraidh  dh'  fheoraich  Sine  dheth, 
"  An  ann  do  Shasunn  a  bhuineas  sibh  ?  " 

"  Cha  'n  ann,"  ars'  esan  "  tha  mi  direach  air 
tighinn  bho  Astralia,  ach  rugadh  is  thogadh 
anns  na  h-Innsibh  mi.  Bha  m'athair  agus  mo 
mhathair  'n  an  teachdairean  an  t-soisgeil  an  sin. 
B'e  mo  sheanair  a  sgriobh  a'  cheud  Ghrammar 
Tamil." 

Cha  d'thubhairt  Sine  diog  aig  an  am  ach  air 


CEANN  CAORACH 


dhaibh  dol  a  mach  as  an  tigh-osda,  co  thachair 
orra  ach  Bean  Chananaich  a'  tighinn  a  steach  a 
ghabhail  a  dinnearach. 

"  Rachaibh  a  steach  do  'n  t-seomar  sin,"  arsa 
Sine  rithe,  "  agus  chi  sibh  duin-uasal  bg  a  tha 
ro  chairdeach  dhuibh." 

"  Cha  'n  'eil  mi  'g  'ur  tuigsinn,"  arsa  Bean 
Chananaich.  "  Cha  'n  fhaod  sin  a  bhi,  oir  cha 
'n  'eil  cairdean  dltith  agamsa  ach  aon  teaghlach 
ann  an  AstraHa,  agus  cha  'n  fhaca  mi^aon  diubh 
riamh." 

"  Rachaibh  sibhse  a  steach,"  fhreagair  Sine, 

agus  chijsibh  aon  diubh  a  nis.  Nach  do  dh' 
innis  sibh  dhuinn  an  diugh  fhein  gu  'm  b'e 
bhur  Seanair  a  sgribbh  a'  cheud  ghrammar 
Tamil  ?  Ma  ta  thubhairt  an  duine  og  an  ni 
ceudna." 

Chaidh  Bean  Chananaich  a  steach  agus  f  huair 
i  a  daimheach,  ceart  mar  a  thubhairt  Sine. 


Lus-a-phigidh-uisge 

Chaidh  an  Dotair  air  aghaidh,  "  Tha  aon  rud 
a'  cur  rud  eile  a'm  chuimhne,  tachartas  a  cheart 
cho  neonach  a  thaobh  brathar  Sine.  Bha  e  ann 
an  dreuchd  ard-oileanachaidh  ann  an  Assam, 
agus  aig  am  sonruichte  de  'n  bhhadhna  bhiodh 
e  a'  dol  air  thurus  am  measg  nam  bailtean  beaga 
a'  ceasnachadh  nan  sgoiltean. 

Bhiodh  daonnan  cuideachd  de  Choolies  comhla 
ris,  agus  stadadh  iad  gach  feasgar  faisg  air 
clachan  air  chor-eigin,  agus  champaicheadh  iad 
ann  an  ionad  freagarrach. 

Air  oidhche  araidh,  agus  iad  a'  gabhail  an 
turuis,  thainig  iad  gu  seann  bLothan  fiodha. 
Bha  am  bothan  falamh,  agus  ghabh  iad  tamh 
ann. 

An  deidh  na  suipearach,  ghabh  Mac  Iain 
sraid  feadh  an  aite  mu  'n  cuairt.  Thug  e  fainear 
lus  araidh  a  chuir  ionghnadh  air  gus  an  do  thuig 
e  ciod  a  bha  aige — lus-a-phigidh-uisge  {ne- 
penthe). Tha  an  lus  so  g'a  chumail  fhein  leth- 
lan  de  uisge  anns  am  bheil  e  a'  ribeadh  chuileag 
agus  a'  beathachadh  orra. 

Ged  nach  robh  e  'na  lusadair  sgileil  chuir  e 
seachad  iiine  mhor  a'  sgi'ixdadh  's  a  rannsachadh 
a'  phlannda,  an  drasd  's  a  rithist  ag  radh  ris 
fhein,  "  Nach  truagh  nach  robh  duine  fogh- 
luimte  an  so,  a  dh'  innseadh  dhomh  a  h-uile  ni 
mu  'n  phlannd  so  !  " 

Thill  e  do  'n  bhothan  is  ghabh  e  mu  thamh. 

Trath  's  a'  mhaduinn  chuir  e  na  Coolies  air 
falbh  air  thoiseach  air.  Bu  mhath  a  b'  aithne 
dha,  mur  deanadh  e  sin,  gu  'n  teicheadh  iad,  no 
gu'n  rachadh  iad  air  seachran,  no  gu'n  tois- 
icheadh  iad  air  opium  a  smogadh. 

Sin  e,  ma  ta,  'na  aonar  anns  a'  bhothan,  agus 
siiil  d'an  d'thug  e,  chunnaic  e  ann  an  ctiil 
dhorcha  torr  de  phaipearan  air  an  comhdachadh 
le  stixr,     Dh'  eirich  e  agus  thog  e  fear  dhiubh. 


Ciod  e  bh'  ann  ach  "  The  American  Journal  of 
Science."  Dh'  fhosgail  e  e  air  tuiteamas,  agus 
chunnaic  e  fa  chomhair  a  shiil  dealbhan  an 
nepenthe  air  an  dathadh  gu  grinn,  agus  a  h-uile 
ni  mu  dheighinn  air  aithris  agus  air  a  mhin- 
eachadh." 


Sgeul  an  Sgoileir 

Am  feadh  's  a  bha  an  Dotair  a'  bruidhinn, 
mhothaich  mi  gu  robh  am  Fear-lagha  agus  an 
Sgoilear  ann  an  trom  smuain.  Thuig  mi  gu 
math  gu  robh  iad  a'  rannsachadh  an  eanchainn- 
ean  a'  sireadh  sgeulachd,  air  eagal  gu'n  tigeadh 
orra  an  teine  agus  an  smogadh  agus  na  cath- 
raichean  comhfurtachail  f  hagail,  gu  ionnsuidh  a 
thoirt  air  a'  ghrammar.  Cha  bu  luaithe  a  sguir 
an  Dotair  na  thoisich  an  Sgoilear. 

A'  bruidhinn  air  tachartas  an  iongantach, 
bheir  mise  dhuibh  sgeul  eile,  agus  's  ann  mu  na 
h-Innsibh  a  tha  i  cuideachd.  Bha  aon  uair  ann 
m,araiche  d'am  b'  ainm  Benson.  Thachair,  mu 
'n  am  air  am  bheil  mi  labhairt  gu'n  robh  am 
bata  's  an  robh  e  'na  f  hoghlumach-ceirde  a'  dol 
suas  an  amhainn  Hoogli  gu  Calcutta.  'S  aithne 
dhuibh  gur  cunnartach  an  amhainn  i  do  mhar- 
aichean,  Ian  oitirean  agus  amaran  caola  ioma- 
liibach.  Tha  aon  chaolas  na  's  miosa  na  each  ris 
an  can  iad  "  Seumas  agus  Mairi,"  agus  is  eiginn 
do  na  h-uile  bata  fear-iiiil  duthchasach  a  bhi  air 
bord  a  chum  a  stiuradh  gu  sabhailte. 

Air  a'  bhata  air  an  robh  Benson  6g  bha  balach 
mu  sheachd  bliadhna  deug  a  dh'  aois  comhla 
ris  an  fhear-iiiil.  Nuair  a  bha  iad  a'  dol  troimh 
'n  chaolas  bha  am  fear-iiiil  aig  a'  chuibhil,  an 
sgiobair  ri  thaobh,  agus  am  balach  6g  an  toiseach 
a'  bhata  a'  tilgeil  na  luaidhe.  Bha  Benson  aig 
deireadh  na  luinge  a'  reiteachadh  's  a  sgiob- 
lachadh  acfhuinn  na  luinge. 

Gu  h-obann  thainig  sgaoth  sheilleanan  o 
bhruaich  na  h-aimhne.  Thug  iad  ionnsuidh  air 
Benson.  Ruith  e  an  sud  agus  an  so,  'g  an 
seachnadh.  Chunnaic  e  dorn-leus,  ghlac  e  e, 
las  e  e,  agus  stob  e  e  ann  an  teas-meadhon  an 
sgaoth.  'S  ann  air  an  luing  sin  a  bha  an  tipraid. 
Sgaoil  na  seilleanan  agus  chaidh  an  ceol  air 
feadh  na  fidhle.  Lot  iad  muinntir  na  sgioba 
thall  's  a  bhos,  agus  a  h-uile  duine  air  bord  'na 
dheann-ruith  bhuapa.  Rainig  iad  am  balach  aig 
toiseach  na  luinge.  Chlaoidh  iad  e  cho  goirt  's 
gu'n  do  leum  e  thar  cliathaich  a'  bhata.  Chaidh 
e  as  an  t-sealladh,  agus  bha  a  h-uile  neach  a' 
smaointeachadh  gu  'n  robh  e  air  a  bhathadh  no 
air    itheadh    le    uile-bheistean    na    h-aimhne. 

Chaidh  na  bliadhnachan  seachad.  Rinn 
Benson  gu  math  agus  f  huair  e  dreuchd  sgiobair 
air  bata  a  bhaseoladh  eadar  Liverpool  agus  na 
h-Innsean. 

Latha  bha  e  dol  suas  an  HoogU,  agus  mu'n 
do  rainig  e  "  Seumas  agus  Mairi,"  bha  e  fhein 


CEANN  CAORACH— CRIOSD  AGUS  A'  BHAN-SAMARITANACH 


agus  am  fear-iiiil  diithasach  a'  gabhail  an  dinn- 
earach  comhla. 

Dh'  innis  Benson  dha  mar  a  thachair  a  thaobh 
an  sgaoth  sheilleanan  iomadh  bliadhna  roimhe 
sin,  agus  mar  a  leum  am  balach  thar  cliathaich 
na  luinge,  's  mar  a  chailleadh  e. 

Rinn  am  fear-iuil  snodha  gaire.  "  Sgeul  math 
gu  leoir,"  ars  'esan,  "  ach  cha  'n  'eil  e  uile  gu 
leir  fior.  Cha  do  chailleadh  am  balach  idir. 
Tharr  e  as  le  bheatha  ;  rainig  e  bruach  na 
h-aimhne  agus  tha  e  aig  a  cheart  mhionaid  so, 
a'  gabhail  tlachd  'n  ur  cuideachd  agus  'n  ur 
n-aoidheachd. " 

Cha  do  chuir  da  bhrathair  riamh  failte  air  a 
cheile  cho  cridheil  ris  an  fhailt  a  chuir  an 
sgiobair  air  an  fhear-iiiil. 

"  An  deagh  sgeul,  da  rireadh,"  ars'  am  Fear- 
lagha,  "  agus  a'  bruidhinn  air  sgiobairean  tha 
sgeul  an  Sgoileir  an  deidh  sgiobair  eile  a  thoirt 
'n  am  chuimhne." 


Sgeul  an  fhir-lagha 
Tha  beachd  affaibh  uile  air  Sffiobair  M- 


nach  maireann,  a  bha  fad  iomadh  bliadhna  air 
te  de  bhataichean  Chluaidh,  duine  cho  eireach- 
dail  's  a  sheas  I'iamh  air  drochaid  luinge. 
Rugadh  e  ann  an  Lamlash  an  eilean  Arain. 

'Nuair  a  bha  e  mu  thri  bliadhna  a  dh'  aois,  bha 
e  'ga  chluich  fhein  's  a'  choille,  agus  chaidh 
stob  droighne  'na  chois.  Chaidh  e  dhachaidh  a' 
caoineadh,  agus  dh'  fheuch  a'  mhathair  ris  an 
stob  a  thoirt  as,  ach  dh'  fhaii-tlich  e  oirre. 

Chuireadh  fios  air  an  dotair  ach  dh'  fhairtlich 
e  airsan  cuideachd,  agus  cha  d'  fhuair  am  bala- 
chan  prioba  cadail  an  oidhche  sin. 

'S  a'  mhaduinn  thainig  da  sheoladair  an 
rathad.  Chuala  iad  am  balachan  a'  caoineadh 
agus  thainig  iad  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis  a  dh' 
fharraid  ciod  a  bha  cearr  air  an  leanabh. 

Dh'  innis  a  mhathair  dhaibh  mar  a  thachair. 
"  Le  'r  cead,"  arsa  fear  dhiubh,  "  feuchaidh 
mise  ris  an  droighinn  a  thoirt  as  a  chois." 

Chuireadh  am  pai,sde  'na  shineadh  air  bord  a' 


chidsinn  agus  ann  am  prioba  na  siila  thugadh  as 
an  stob. 

Ann  an  la  no  dha  bha  an  fear  beag  a'  ruith 
mu  'n  cuairt  cho  sona  's  a  bha  e  riamh. 

Dh'  fhas  am  balach  suas.  Chaidh  e  gu  muir 
agus  'nuair  a  bha  e  mu  dha  f  hichead  bliadhna  a 
dh'  aois  bha  e  'na  sgiobair  luinge  a  bha  seoladh 
eadar  Cluaidh  agus  Amearaga.  Uair  a  bha  e 
a'  fagail  Chluaidh  bha  dithis  dhaoine  fhathast 
a  dhith  air  a  chum  sgioba  a  bhata  a  dheanamh 
coimhlionta,  agus  chunnaic  e  air  laimrig 
Ghrianaig  da  dhuine  a  smaontaich  e  a  fhreag- 
radh  air,  ged  a  bha  coltas  gu  math  sean  orra. 
Dh'  fheoraich  e  dhiubh  an  robh  iad  toileach 
tighinn  leis,  agus  dh'  aontaich  iad. 

Air  an  turus  gu  Amearaga  dh'  fhas  aon 
dhiubh  tinn,  agus  an  ceann  la  no  dha  thainig 
a'  chrioch  air,  agus  thiodhlaiceadh  e  anns  a' 
chuan.  An  deidh  an  tiodhlacaidh  chuir  an 
sgiobair  fios  air  a  chompanach.  "  Bha  thu 
eolach  air  an  duine  so,"  ars'  an  sgiobair.  "Bha," 
ars  esan,  "  agusb'  aithne  dhuibhse  e  cuideachd." 

Ciamar  sin  ?  "  thubhairt  an  sgiobair,  "  Cho 
fad's  is  fios  dhomh  cha  'n  fhaca  mi  riamh  e  gus 
an  latha  thainig  e  air  bord  aig  Grianaig." 

Ma  ta,"  thubhairt  am  fear  eile,  "  theagamh 
gu'm  bi  cuimhne  agaibh,  'nuair  a  bha  sibh  'n  ur 
balachan,  gu  'n  robh  cas  uamhasach  ghoirt 
agaibh    le    stob    droighne    a    chaidh    innte  ?  " 

'S  ann  agam  a  tha,"  ars'  an  sgiobair.  "  Agus 
thainig  seoladair  an  rathad  a  thug  an  stob  as  mo 
chois."  "  B'e  sin,"  thubhairt  am  fear  eile,  "  an 
seoladair  a  thiodhlaiceadh  an  diugh." 

Nach  e  'n  sgiobair  a  bha  duilich  nach  robh 
fhios  aige  ann  an  am  gu  'm  b  'e  sud  am  fear  a 
thug  furtachd  dha  'n  a  eiginn,  's  gu  'n  gabhadh 
e  cothrom  taing  a  thoirt  do  'n  duine  choir  ! 

H:  *  *  *  * 

Is  iad  sin,  ma  ta,  na  sgeulachdan  a  fhuair  sinn 
aig  ar  ceilidh.  'Nuair  a  thainig  crioch  air  sgeul 
an  Fhir-lagha,  bha  'n  t-am  dol  dachaidh,  agus 
dhealaich  sinn. 

Theagamh  gu  'm  faigh  sinn  an  Grammar  aig 
an  ath  cheilidh  ! 


Criosd  Agus  a'  Bhan-Samaritanaeh 

(EoiN  iv.  1-4,2). 
Le  Iain  Mac  Calmain,  Caol-Reithe,  An  t-Eilean  Sgitheanach 


THA  naidheachd  air  innse  mu'n  Ollamh 
Urramach  Seumas  Camshron  Lees  nach 
maireann,  an  uair  a  bha  e  'na  mhinisteir  bg 
ann  an  sgire  Srath-Chonain,  gu'n  d'rainig  e 
an  eaglais  aon  latha  geamhraidh  agus  cha  robh 
roimhe  de  choimhthional  ach  aon  duine  a  mhain. 
Thuirt  Lees  ris  an  duine,  "  Bho  nach  'eil  ann 
ach  an  dithis  againn,  tha  e  cho  math  an  t-seir- 
bliis  Ghaidhlig  a  chuir  dheth  an  diugh  agus 


feitheamh  ri  luchd  na  Beurla,"  ach  fhreagair 
an  duine,  "  Tha  an  fhirinn  ag  radh  far  am  bheil 
dithis  neo  triiiir  cruinn  'na  ainm  gu'm  bheil 
Esan  an  sin  'nam  meadhon  :  is  tusa  a  h-aon, 
is  mise  a  h-aon  ;  le  cheile  is  dithis  sinn  ;  agus 
is  miann  leam  facal  's  a'  Ghaidhlig."  Chiim 
iad  an  t-seirbhis  'n  an  dithis.  "  Rinn  mi 
searmon  do'n  duine  ud,"  thuirt  Lees,  "  le  m'uile 
chridhe,  agus  chuimhnich  mi  mar  a  rinn  an 


CRIOSD  AGUS  A'  BHAN-SAMARITANACH 


Slanuighear     beannaichte     searmon     do     aon 
mhnaoi  laimh  ri  tobar  lacoib." 

Tha  againn  ann'an  so  duine  agus  bean  a' 
comhradh  ri  cheile  mu  thimcheall  uisge,  agus 
air  a'  cheud  sealladh  dh'fheudamaid  faigh- 
neachd,  "  Ach  ciod  a  tha  an  so  a  tharruingeas 
aire  ?  "  Chan  'eil  ni.  Gidheadh  do'n  inntinn 
spioradail  tha  an  so  biadh  agus  deoch  a  bhitheas 
'n  a  Ion  dha  air  a  thurus  troimh  an  fhasaich. 
Co  tha  an  so  ?  Tha  Dia  air  f  hoillseachadh  anns 
an  fheoil,  Dia  comhdaiehte  le  nadur  na  daonn- 
achd,  eadhon  le  anmhuinneachd  na  daonnachd 
ach  as  eugmhais  peacaidh.  Tha  an  so  am 
Buaehaille  Maith  a'  sireadh  na  caorach  chaillte 
agus  'g  a  faotainn.  Aig  amannan  eile  tha  sinn 
a'  faicinn  Chriosd  a'  searmonachadh  do  mhoran 
sluaigh,  ach  an  so  tha  E  a'  cromadh  gu  bhi 
labhairt  facal  na  firinn  ri  aon  anam  a  mhain  ; 
ni  a  tha  teagasg  gu'm  bheil  an  soisgeul  air  son 
gach  neach  gu  pearsanta,  agus  gu'm  bheil  aon 
anam  luachmhor  ann  an  sealladh  Dhe. 

Tha  an  doigh  air  an  tug  losa  buaidh  air  cridhe 
cruaidh  na  mnatha  so  agus  mar  a  choisinn  E 
i  a'  gairm  ar  n-aire  gu  sonruichte.  "  Thubhairt 
losa  rithe,  Thoir  dhomh-sa  deoch."  Bha  E 
sgith  le  a  thurus,  ged  nach  robh  E  sgith  dheth  ; 
ach  bha  tart  eile  air  losa,  b'e  sin  tart  chum 
slainte  an  neach  a  bha  an  so  'na  lathair.  Agus 
ged  nach  'eil  e  soilleir  co  dhiu  f  huair  E  a'  cheud 
tart  a  shasuchadh,  tha  fhios  cinnteach  againn 
gu'n  d'fhuair  E  sasuchadh  ann  an  slainte  bhi 
air  a  sealbhachadh  leis  a'  pheacach  bhochd  so, 
oir  bha  e  'n  a  bhiadh  agus  'n  a  dheoch  dha-san 
toil  an  Ti  a  chuir  uaith  E  a  dheanamh  agus 
'obair  a  chriochnachadh. 

Chan  'eil  losa  idir  a'  freagairt  na  mnatha  so 
a  reir  mar  a  labhair  ise  ris-san.  Cha  do  thoisich 
E  air  argumaid  a  dheanamh  rithe  mu  phoncan 
creidimh  neo  mu'n  eadar-dhealachadh  eadar  na 
h-Iudhaich  agus  na  Samaritanaich,  ach  thairig 
E  dhi  tiodhlac  na  slainte  le  bhi  foillseachadh 
dhi  de  bha  i  agus  de  bha  e  comasach  dhi  a  bhi. 
"  Nam  b'aithne  dhuit  tiodhlac  Dhe,  agus  c6  e 
a  tha  radh  riut,  Thoir  dhomh  deoch,  dh'iarradh 
tu  air-san,  agus  bheireadh  e  uisge  beo  dhuit." 
Nam  b'aithne  dhuit  : — ach  cha  b'aithne.  Is  e 
so  staid  an  duine  fhathast.  Chan  aithne  dhuinn 
oir  nam  b'aithne  dhuinn,  dh'iarramaid.  Tha 
an  t-aobhar  nach  'eil  sinn  ag  iarraidh  ag  eirigh 
o  aineolas — aineolas  air  cridhe  an  Athar  neamh- 
aidh.  Tha  fialaidheachd  a  chridhe-san  agus 
a  ghradh  air  am  foillseachadh  dhuinn  anns  an 
tiodhlac  a  thug  E  seachad. 

Is  e  Criosd  tiodhlac  an  Athar  dhuinn  agus 
tha  luach  an  tiodhlaic  so  a'  dearbhadh  dhuinn 
fior-ghradh  Dhe  do'n  chinne-daoine.  Mar  sin, 
air  dhuinn  bhi  aineolach  air  luach  an  tiodhlaic 
agus  freagarrachd  an  tiodhlaic  air  ar  staid  mar 
pheacaich,  chan  'eil  sinn  ag  iarraidh  an  tiodhlaic. 
Chan  'eil  tiodhlac  sam  bith  cho  luachmhor  ri 
beatha,  agus  is  e  a  thug  Dia  dhuinn  a'  bheatha 


mhaireannach,  a'  bheatha  a  tha  'n  a  Mhac 
fhein.  Agus  tha  an  tiodhlac  so  freagarrach  air 
ar  cor.  Bha  ar  cor  mar  pheacaich  a'  cur  feum 
air  an  Ti  a  tha  an  so.  Na'n  tuigeamaid  agus 
n'an  creideamaid  gur  ann  a  chum  ar  maith  a 
tha  Criosd  ag  radh  ruinn,  "  A  mhic  agus  a 
nighean,  thoir  dhomh-sa  do  chridhe,"  cha 
chumamaid  uaithe  e.  Chan'eil  E  ag  iarraidh 
an  aite  so  'n  ar  beatha  chum  ar  deanamh  mi- 
shona  ;  chan  'eil  E  cumail  ni  sam  bith  bhuainn 
a  tha  chum  ar  leas,  oir  cha  chum  E  maith  sam 
bith  o'n  dream  a  ghluaiseas  gu  h-ionraic.  Is 
iad  na  nithean  a  tha  cronail  dhuinn  a  tha  Esan 
a'  toirt  bhuainn.  "  Feuch  Uan  De  a  tha  toirt 
air  falbh  peacadh  an  t-saoghail."  Is  e  peacadh 
an  ni  a  tha  cronail  do'n  duine  agus  graineil  an 
lathair  Dhe,  ged  is  mills  solasan  a'  pheacaidh 
do'n  inntinn  f  heolmhor. 

Mar  sin,  is  e  an  ni  a  bha  Criosd  a'  toirt 
dachaidh  air  a'  mhnaoi  so  a  feum  airsan,  agus 
cho  eu-comasach  's  a  bha  e  dhi  bhi  air  a  sasuch- 
adh le  ni  sam  bith  ach  E  fhein.  "  Ge  b'e 
neach  a  dh'olas  de'n  uisge  so,  bithidh  tart  air 
a  rithis  ;  ach  ge  b'e  neach  a  dh'olas  de'n  uisge 
a  bheir  mise  dha,  cha  bhi  tart  gu  brath  air  ; 
ach  an  t-uisge  a  bheir  mise  dha,  bithidh  e  'n 
a  thobar  uisge  ann,  a'  sruthadh  suas  chum  na 
beatha  maireannaich."  Thug  an  comhradh  so 
buaidh  oirre,  agus  cha  robh  e  'n  comas  di 
cumail  oirre  fein  na  b'fhaide.  "  A  Thigh- 
earna,"  arsa  ise,  "  thoir  dhomh-sa  an  t-uisge 
so."  Dh'aithnich  i  gu'n  robh  E  a'  tairgse  dhi 
an  ni  air  an  robh  feum  aice  os  cionn  gach  ni  eile. 

Ach  fhathast  bha  teagamh  aig  a'  mhnaoi  ann 
an  comas  Chriosd  gu  bhicoimhlionadh  athairgse, 
agus  an  deigh  tuilleadh  comhraidh  dh'fhoillsich 
Criosd  dhi  gu'm  b'esan  am  Messiah  ris  an  robh 
a  diiil.  "  Thubhairt  losa  rithe.  Is  mise  a  tha 
labhairt  riut."  Is  e  aon  eile  a  mhain  do'n 
d'f hoillsich  losa  E  fhein  cho  soilleir  so — an  duine 
a  rugadh  dall.  Dh'fhag  E  aig  muinntir  eile  am 
bitheantas  a  bhi  faotainn  an  eolais  so  a  mach  air 
an  son  fein  tre  a  mhiorbhuilean  agus  a  theagasg, 

Anns  a'  chomhradh  so  aig  tobar  lacoib,  tha 
ni  neo  dha  gu  sonruichte  a'  leum  ri  ar  n-aire. 

(1)  larrtus  an  anma  a  gheihh  eblas  air  Criosd 
muinntir  eile  a  tharruing  d'a  ionnsuidh,  "  Dh' 
fhag  a'  bhean  a  soitheach-uisge,  agus  dh'fhalbh 
i  do'n  bhaile,  agus  thuirt  i  ris  na  daoine,  Thigibh 
faicibh  duine  a  dh'innis  dhomh-sa  na  h-uile 
nithean  a  rinn  mi  riamh  ;  nach  e  so  Criosd  ?  " 
B'e  so  fianuis  na  mnatha  so.  Cha  b'e  searmon 
mor  e,  ach  b'e  teisteis  fior  agus  treibhdhireach 
e,  agus  bu  leoir  e  gu  muinntir  Shamai-ia  a 
ghluasad  gu  bhi  faicinn  c6  a  bha  an  so  comasach 
air  na  h-uile  nithean  a  rinn  iad  riamh  innse. 
Cha  shaoileamaid  gu'm  b'e  a  leithid  so  de  chliu 
a  ghluaiseadh  daoine  a  mach.  Chan  ann  trie 
a  bhitheas  sinn  toileach  air  na  h-uile  nithean  a 
rinn  sinn  riamh  a  thoirt  i-i  ar  n-aghaidh,  gu  son- 
ruichte ma's  ann  a'  toirt  fianuis  'n  ar  n-aghaidh 


IAIN  DOMHNULLACH  NACH  MAlREANN 


a  tha  na  nithean  sin.  An  aite  sin,  is  ann  a 
bhitheas  sinn  dichiollach  gu  sgaile  a  chuir 
thairis  orra.  Ach  an  uair  a  tha  Criosd  a'  toirt 
ri  ar  cuimhne  na  h-uile  nithean  a  rinn  sinn 
riamh,  is  ann  a  chum  ar  dealachadh  bho  'n  chuid 
a  chaidh  seachad  de  aimsir  ar  beatha  a  chaith 
sinn  a  reir  na  feola,  agus  a  chum  ar  togail  suas 
ann  an  nuadhachd  beatha. 

(2)  A  rithis,  cho  cumhachdach  agus  a  tha  inneal 
lag  ann  an  laimh  Dhe.  Tha  an  Sgriobtuir  ann 
an  iomadh  aite  a'  teagasg  so.  Chi  sinn  Dai- 
bhidh  ann  an  gleann  Elah  a'  toirt  buaidh  air  an 
PhiUsteach  mhor  le  coig  clachan  mine  o'n 
t-sruth,  an  uair  nach  deanadh  e  feum  le  eudach- 
cogaidh  Shauil.  Cha  dean  an  eaglais  feum  le 
sgeadachadh  saoghalta  oirre,  agus  cha  mhotha 
na  sin  a  ni  an  Criosduidh.  Is  fhearr  gu  mor 
coig  clachan  mine  bho  shruthan  nan  sgriobtur, 
facal  Dhe  a  tha  beo  agus  cumhachdach,  leis  an 
toir  gach  aon  buaidh.  B'anmhuinn  an  t-inneal 
lonah  a'  dol  a  mach  'na  aonar  gu  baile  mor 
Ninebheh,  ach  thug  e  am  baile  sin  gu  aith- 
reachas.  Nan  robh  obair  mar  so  air  fhagail 
againne,  dh'fheudadh  gu'n  deanamaid  costas 
mor  agus  chuireamaid  feachd  "  Mhissionaries  " 
gu  Ninebheh,  ach  rinn  Dia  an  obair  le  aon  duine 
— agus  duine  aig  nach  robh  moran  cliii  air  son 
creidimh.  Bu  lag  agus  bu  mhi-choltach  ann 
an  sealladh  an  t-saoghail  an  t-inneal  a  bha  an 
laimh  loshua,  ach  thainig  ballaichean  lericho 
gu  lar  'n  a  fhianuis.  Bu  lag  a'  chaileag  bheag 
a  chaidh  a  ghiiilan  am  braighdeanas  gu  tir 
Shiria,  ach  bha  i  'n  a  meadhon-beannachaidh  do 
Naaman.     Bha  creideamh  mor  aiff  a'  chaileig- 


ud.  Cha  chuala  i  riamh  gu'n  do  leighis  Elisa 
aon  lobhar.  "  Bha  moran  lobhar  ann  an  Israel 
ri  linn  Elisa,  ach  cha  do  ghlanadh  a  h-aon  aca." 
Gidheadh  air  bonn  nam  miorbhuilean  eile  a  rinn 
e,  chreid  i  gu'n  robh  e  an  comas  dha  Naaman  a 
leigheas. 

Tha  an  sgriobtuir  mar  sin  Ian  de  dhearbhaidh- 
ean  air  an  obair  a  ni  Dia  le  innealan  beaga. 
*'  Gairmidh  an  Tighearna  a'  chuileag  a  tha  ann 
an  iomall  aibhnichean  na  h-Eiphit,  agus  an 
seillean  a  tha  ann  an  talamh  Asiria,  agus  thig 
iad  "  (Isa.  vii.  18),  agus  ni  iad  an  obair  a  tha  E 
ag  iarraidh  a  dheanamh  ;  agus  mar  sin  na 
deanadh  feol  sam  bith  uaill  'n  a  fhianuis.  Bha 
a'  bhean  so  'n  a  meadhon-beannachaidh  mor 
ann  an  Samaria.  Chaidh  siol  maith  na  riogh- 
achd  a  chuir  ann  an  aon  chridhe,  agus  sgaoil 
e  a  dh'ionnsuidh  iomadh  beatha  eile.  Chreid 
iad  air  son  teisteis  na  mnatha,  ach  chaidh  iad 
na  b'fhaide  na  sin,  agus  thuirt  iad  ris  a  mhnaoi, 
"  Tha  sinn  a'  creidsinn,  chan  ann  a  so  suas  air 
son  do  chomhraidh-sa  ;  oir  chuala  .sinn  fein  E, 
agus  tha  fhios  againn  gur  e  so  da-rireadh 
Criosd,  Slanuighear  an  t-saoghail."  Agus  is 
ann  mar  so  a  dh'fheumas  a  bhi  fhathast.  Is 
maith  fianuis  aon  eile  a  bhi  'n  a  mheadhon 
daoine  a  ghluasad  a  mach,  ach  feumaidh  sinn 
tighinn  chum  a'  chuspair  so  gach  aon  againn 
air  ar  son  fein.  Cha  dean  e  a'  chilis  "  A  Thigh- 
earna,  A  Thighearna  "  a  ghairm  dheth-san,  a 
mhain  a  chionn  gu'n  cuala  sinn  feadhainn  eile 
'ga  radh,  oir  their  E  ruinn  mar  thuirt  E  ri  Pilat 
— "  Am  bheil  thu  ag  radh  so  uait  fhein,  neo  an 
d'innis  daoine  eile  dhuit  e  mu  m'  thimcheall-sa?" 


Iain  Domhnullach  nach  maireann 


EUGADH  an  duine  caomh  so,  eildear 
Shollais,  an  Uidhist  a  Tuath,  ann  an  eilean 
Heisgeir  bho  chionn  corr  agus  ceithir  fichead 
bliadhna,  agus  tha  faisg  air  da  fhichead 
bliadhna  bho  na  thainig  e  fein  agus  a  theaghlach 
gu  ruige  Sollas.  Bho  oige  bha  e  'na  dhuine  coir 
cliiiteach  measail  aig  a  luchd  eolais  gu  leir,  Ian 
de  dheagh  iomradh  agus  de  dheagh  thoradh. 

Bho  na  thainig  ciiram  anama  ann,  nochd  e 
dilseachd  chomharraichte  do  shluagh  agus  do 
aobhar  an  Tighearna,  agus  cha  bhiodh  aite 
falamh  anns  an  eaglais  mur  biodh  e  bochd. 
Bha  coibhneas,  grinneas,  ciiiineas,  seimheachd, 
agus  diadhachd  'na  phearsa  nach  robh  ri 
faotainn  no  faicinn  ann  an  nioran. 

Ged  nach  robh  e  gle  laidir  'na  inntinn,  bha 
buadhan  rannsachail  aige  air  nithibh  spioradail, 
agus  mar  sin  cha  b'urrainn  duinn  a  radh  gu'n 
do  chaomhain  e  riamh  a  bhodhaig  an  uair  a 
bhiodh  aobhar  Chriosd  ag  iarraidh  cuideachadh, 
agus  gheibhteadh  e  an  comhnuidh  'na  dhluth 


thaic  dhaibhsan  a  bhitheadh  ag  iarraidh  aithne 
shlainteil  air  Criosd,  agus  aobhar,  agus  a 
rioghachd  a  chuir  air  chois,  agus  am  farsuin- 
geachd. 

Ged  a  bha  suil  aig  na  cairdean  ris  an  naidh- 
eachd  dhuilich  so  cha  lughdaich  sin  am  bron 
agus  an  ionndrainn  as  a  dheidh.  Faodar  a  nis 
a  radh  air  a'  cheann  thall  gu'n  do  chomhraig  e 
deagh  chomhrag,  gu'n  do  chriochnaich  e  a 
thurus,  ffu'n  do  ffhleidh  e  an  creideamh.  Agus 
a  nis  ged  tha  aite  falamh  an  so,  agus  sinne  'ga 
ionndrainn  tha  e  fior  mu  thimhchioll-san  nach 
bi  a'  chlarsach  tuilleadh  crochta  air  crann 
seilich  ;  is  ann  a  tha  e  ri  seinn  oran  Mhaois 
agus  an  Uain.  Tha  mor  cho-fhaireachduin  a' 
dol  a  mach  gu  a  cheile  chaomh  is  a  theaghlach 
eireachdail  a  tha  an  diugh  gu  bronach  eislinn- 
each  'ga  ionndrainn. 

D.  I.  MAC  DHUTH-SITH, 
am  Mall-a-cleit, 
An  Uidhist-a-Tuath. 


AN  RIGH  A  CHAOCHAIL— BAISTEADH  AN  AFRICA 


An  Righ  a  Chaochail 

Dan  Molaidh  le  Iain  Masefield 

(Air  a  h-eadar  theangachadh  gu  saor) 

Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhion&huin,  Ph.D. 
an     latha     teanntachd      Am  measg  ar  n-iomadh  Righ,  nior  dhearbhadh 


B'ESAN     ar     Righ 
chruaidh, 

Am  bliadhnachan  dubh  na  stri,  is  dochas  fami, 
Mar  bhrataieh,  thog  a  mhisneach-san  ar  ceann, 
'S    le    spiorad    seasmhach,    nochdadh    Righ    a 

shluaigh. 
An  deidh  a  chogaidh,  'n  uair  bha  smuaintean 

breun 
A'  bagradh  buaireis,  chuir  a  ghluasad  ciuin, 
A  thapadh,  agus  grasalachd  a  ruin 
Ruaig  no  ceangal  air  luchd-ainneirt  fein. 


Le  aimsirean  cho  searbh  do  Chathraichean  ; 
Cha  d'  fhuair  aon  buaidh  cho  seimh  air  bagradh 

teann. 
Fior      rioghail      bha      e'n      gnothach      statail 

athraichean 
Fior  thruacant'  ris  an  dibhdh  a  b'isle  ceann. 
B'fhearr   e  n'an  corr,  bu  ghrinne,  bu   mhotha 

d'an  robh  gaol. 


Bron  agus  an  Comhfhurtair 


SHUIDH  Bron  balbh  aig  crioch  an  la 
Ri  mo  thaobh  's  mi  trom  fo  phramh, 
Tein'  is  lochran  air  dol  as, 
Air  an  uinneig  bhuail  am  fras  ; 
Chualas  buille  shocair  mhall, 
Agus  lamh  air  glais  gu  fann  ; 
Chualas  guth  bho'n  aon  bha  teachd, 

A'  seinn  le  binn-ghuth, 
"  Gabhaidh  mi  mo  shuipeir  leat." 

Bha  mo  sheomar  dorcha  fuar 

"  Bhroin,"  deir  mi,  na  bi  fo  ghruaim, 

Fadaidh  teine,  las  an  leus, 

Cuir  cathair  an  aoidh  na  h-aite  fein  : 

Rithist  chualas  lamh  ri  crann, 


Dh'  fhosgail  mi  a  ghlas  gu  fann 

"  Thig  a  choigrich  'se  do  bheatha 
Gu  do  shuipeir  maille  rium." 

Troimh  'n  dorus  fhosgailt  ghluais  e  steach, 
Ach  ciod  b'e  ainm  cha  robh  'nam  bheachd  ; 
An  cathair  an  aoidh  gu'n  shuidh  gu  dliith, 
Gidheadh  cha  b'fhiosrach  dhomh  a  ghniiis. 
Nuair  thug  mo  ghealbhan  beag  dhomh 

boillsgeadh, 
'Sa  bha  mo  lochran  beag  a'  soillseadh, 
Feuch  b'e  mo  Thriath  an  t-Aoidh 
A  ghabh  a  shuipeir  maille  rium  ! 

O'n  Bheurla  leis  an   Ollamh  Gilleashuig  Dbmh- 
nullach. 


Baisteadh  an  Africa 


O  O  an  cunntas  a  thug  ban-mhissionaraidh  air 
kDbaisteadh  a  chunnaic  i  ann  an  Africa.  ' '  Sheas 
na  daoine  oga  uile  agus  iad  air  an  sgeadachadh 
an    aodach    geal.       Thubhairt    am    ministear. 

Is  beannaichte  iadsan  a  tha  glan  'n  an  cridhe 
oir  chi  iad  Dia."     An  uair  a  chual  iad  am  facal 
sin  chrom  iad  an  cinn,  agus  chaidh  iad  air  an 
gliiinean  a  dh'  iirnuigh. 
"  Co  tha  sibh  a'  dol  a'  leantuinn  }  "  thubhairt 

am  ministear. 
"  Ar  Ceann-feadhna,"  ars'  iadsan. 

Co  e  bhur  Ceann-feadhna  ? 
"  Is  e  losa  Criosd  ar  Ceann-feadhna." 
"  Ciod  e  lagh  a  rioghachd  ? 
"  Is  e  gradh  lagh  a  rioghachd.  " 
"  Co  dh'  ionnsuidh  a  tha  e  'g  'ur  gairm  ?  " 


"  Tha  e  'g  ar  gairm  gu  umhlachd,  gu  gradh, 

agus  gu  seirbhis." 
"  Ciod  iad  criochan  a  rioghachd  ?  " 
"  Chan  'eil  criochan  aig  a  rioghachd  ;  tha  i  anns 
.    a  h-uile  aite,  agus  gu  siorruidh." 

An  sin  dh'  eirich  iad  bharr  an  gliiinean,  agus 
le  aon  ghuth  thubhairt  iad,  "  Leanaidh  sinn 
ar  Ceann-feadhna  uile  laithean  ar  beatha  ; 
troimh  gheata  a'  bhais  theid  sinn  a  steach  'n  a 
lathair,  agus  bithidh  sinn  maille  ri  ar  Treubh 
gu  siorruidh." 

An  sin  sheinn  sinn  laoidh-mholaidh  do  ar 
Ceann-feadhna  ;  dh'  eirich  an  sluagh  uile, 
is  chaidh  sinn  a  steach  do'n  eaglais  far  an  robh 
na  daoine  oga  air  am  baisteadh." 


Aireamh  4 


93 


Dochas  Na  Beatha  Maireannaich 

"  Ma  bhasaicheas  duine  an  tiff  e  bed  ?  " — Iob  xiv.  14. 


SIN  ceist  nach  b'  urrainn  am  fear  a  sgriobh 
leabhar  lob  a  fhreagairt  gu  cinnteach, 
agus  ceist  nach  do  fhreagair  duine  eile  riamh 
ann  an  doigh  a  riaraicheas  an  cinneadh- 
daonna  uile.  Ach  air  a  shon  sin  is  ceist  i  air 
a  bheil  inntinn  mhic  an  duine  a'  cnuasachadh 
gun  sgur,  ma  bhasaicheas  duine  an  tig  e  beo  ? 

Thig  am  bas  oirnn  uile  :  agus  an  uair  a 
thig  am  bas  chan  'eil  anns  gach  ceist  eile  ach 
rud  suarrach  an  coimeas  ris  a'  cheist  so,  an 
e  an  uaigh  ceann  ar  reis  ? 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  a 
tha  de'n  bheachd  nach  bi  an  duine  beo  an 
deidh  d'a  chorp  basachadh  :  chan  'eil  iad 
a'  creidsinn  gu  bheil  anmanna  nan  creid- 
mheach  air  an  deanamh  foirfe  aig  uair  am 
bais  no  dol  a  steach  do  ghloir.  Chan  'eil  iad  a' 
creidsinn  gu'n  tachair  do  mhac  an  duine  ach 
mar  a  thachras  do'n  ainmhidh  :  tiodhlaicear  a 
chorp  anns  an  talanih  agus  cha  bhi  iomradh 
tuilleadh  gu  brath  air. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  de'n 
bheachd  sin,  ach  ged  bha  iad  cho  lionmhor 
bho  thoiseach  's  a  tha  iad  an  diugh  dh'  fhairtlich 
orra  riamh  toirt  air  a'  mhor-chuideachd  d'am 
braithrean  gabhail  r'an  teasgasg. 

A  thaobh  dochas  na  beatha  maireannaich 
chan  'eil  e  fior  a  radh  gu  bheil  na  feallsanaich 
air  an  dara  taobh  agus  na  diadhairean  air  an 
taobh  eile  :  chan  'eil  e  fior  a  radh  gu  bheil 
luchd-ealain  agus  ministearan  an  aghaidh  a 
cheile.  Tha  moran  de  na  feallsanaich  agus 
de'n  luchd-ealain  as  ainmeile  a'  creidsinn  anns 
a'  bheatha  mhaireannaich  le'n  uile  chridhe, 
is  tha  cuid  de  dhiadhairean  nach  'eil  a'  creidsinn 
innte  idir. 

Ach  ma  cheasnaichear  na  feallsanaich  agus 
daoine  eagnaidh  a  thaobh  an  dochais  so  feumar 
aideachadh  nach  'eil  fianuis  laidir  no  shoilleir 
aca  ri  thoirt  dhuinn  ;  their  iad  gu  bheil  an 
rud  ud  agus  an  rud  ud  eile  anns  a'  chrutha- 
chadh  a'  neartachadh  an  dochais  ged  nach  'eil 
iad  'ga  dhearbhadh  ;  their  iad  gu  bheil  barr- 
achd  ri  radh  air  a  thaobh  na  tha  ri  radh  'n 
a  aghaidh.  Ach  is  e  sin  cho  fada  's  is  urrainn 
dhaibh  dol. 

Ma  tha  na  mairbh  beo  car  son  a  tha  iad 
balbh  ?  Car  son  nach  do  rainig  teachdair- 
eachd  air  choi'-eigin  sinn  bho  thoiseach  an 
t-saoghail.  Sin  aon  de  na  h-argumaidean 
a  bhios  michreidich  a'  cleachdadh,  ach  cha 
bhi  feallsanaich  no  sgoilearan  arda  'g  a  cleach- 


dadh oir  tha  fhios  aca  gu  maith  nach  'eil 
tosdachd  nam  marbh  a'  dearbhadh  dad. 

Tha  na  mairbh  tosdach  gun  teagamh.  Dh' 
fhag  miltean  de  ghinealan  an  saoghal  so 
cheana  ach  cha  chualas  am  farbhan  as  lugha 
bhuapa  o'n  taobh  thall.  Ma  tha  na  ginealan 
sin  f  hathast  beo,  ann  an  aite  no  ann  an  suidhea- 
chadh  nach  aithne  dhuinne,  a  bheil  e  eu-coma- 
sach  dhaibh  fios  a  chur  thugainn  no  a  bheil  iad 
idir  a'  smuaineachadh  oirnn  ?  Nach  iongan- 
tach  agus  nach  soluimte  an  smuain  e,  gu  bheil 
saoghal  eile  dliith  dhuinn  a  tha  air  aiteachadh 
le  spioradan  gun  aireamh,  ach  a  tha  cho 
foluichte  bhuainn  ri  cridhe  na  greine,  ged  dh' 
fhaodas  sinn  a  bhi  air  an  iomall  aige. 

Tha  mise  a'  creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gu 
bheil  an  saoghal  sin  ann,  agus  gu  bheil  e 
dluth  dhuinn.  Chan  'eil  fhios  agam  ciod  a 
bhios  daoine  eile  a'  faireachduinn  aig  bord 
a'  chomanachaidh  ach  is  urrainn  mi  a  radh 
gu  cinnteach  gur  e  dearbhachd  a  thaobh 
saoghal  nan  spioradan  an  tiodhlac  spioradail 
as  trice  a  bhios  mi  a'  faotainn  o'n  choman- 
achadh.  Cha  do  ghabh  mi  riamh  pairt  ann  an 
seirbhis-chomanachaidh  gun  faireachduin  bheo 
agus  dearbhachd  laidir  a  bhi  'n  am  chridhe 
gu  robh  mi  air  mo  chuartachadh  le  neul  mor 
de  fhianuisean,  le  spioradan  nam  firean,  agus 
le  ainglean,  agus  le  eaglais  neo-fhaicsinneach 
nan  ceud-ghin.  Aig  na  h-amannan  sin  tha 
lathaireachd  nan  spioradan  cho  cinnteach 
dhomh  ri  lathaireachd  chorparra  nan  daoine  a 
tha  'n  an  suidhe  ri  mo  thaobh. 

Sin  aon  de  na  doighean,  a  reir  m'  fhiosrach- 
aidh,  anns  a  bheil  dochas  na  beatha  maireann- 
aich air  a  dhiisgadh  agus  air  a  neartachadh 
ann  an  cridheachan  dhaoine  ;  chan  ann  le 
argumaidean  no  le  solus  reusain  ach  le  feartan 
agus  faireachduinnean  a  tha  dol  sios  na's 
doimhne  do  thobraichean  diomhair  ar  beatha 
na's  urrainn  argumaid  no  solus  reusain  dol. 

A  thaobh  dochas  na  beatha  maireannaich 
tha  dha  no  tri  nithean  ann  a  tha  seasamh  a 
mach  gu  soilleir  gus  ar  creideamh  a  neart- 
achadh. 

(1)  Chan  'eil  treubh  no  cinneach  air  thal- 
amh  anns  nach  fhaighear  an  dochas  so  'n 
am  measg,  am  beag  no  am  mor.  Is  e  sin 
ri  radh,  tha  an  cinneadh-daonna  uile  ag  altrum 
an  dochais.  Agus  tha  an  cinneadh-daonna 
na's    glice    na    duine    air   bith  ;     tha    guth    a' 


'2 


DOCK  AS  NA  BEATHA  M  AIRE  ANN  AICH—DI-DOMHNAICH  CASG 


chinneadh-daonna   na's    airidhe    air    eisdeachd 
ris  na  guth  an  duine  as  ionnsaichte  air  thalamh. 

(2)  Bha  na  daoine  as  glice  agus  as  comas- 
aiche  a  bha  riainli  ann  a'  creidsinn  anns  a' 
bheatha  mhaireannaich,  agus  na  daoine  as 
naoimhe.  Dh'  fheumadh  duine  a  bhi^gu 
niaith  cinnteach  as  fhein  m'  an  togadh  e  a 
ghuth  an  aghaidh  dhaoine  coltach  ri  Plato, 
agus  Pol,  agus  Dante,  agus  Milton,  agus 
Shakespeare,  agus  aithrichean  eile  de'n  t- 
seorsa  sin. 

(3)  Bha  losa  Criosd  a'  creidsinn  anns  a' 
bheatha  mhaireannaich,  agus  theagaisg  e  d'a 
dheisciobuil  an  dochas  so  altrum.  "  Ann  an 
tigh  m'  athar-sa  tha  iomadh  aite-comhnuidh  ; 
niur  biodh  e  mar  sin  dh'  innsinn-sa  dhuibh." 
"  Do  bhi'igh  gu  bheil  mise  beo  bidh  sibhse 
beo  mar  an  ceudna."  Thug  losa  Criosd 
beatha  agus  neo-bhasmhorachd  gu  solas  tre 
a  shoisgeul,  agus  cuiridh  fhacal-san  crioch 
air  gach  uile  chonnsachadh.  Theid  neamh 
agus  an  talamh  thairis  ach  cha  teid  fhacal-san 
thairis  gu  brath. 

Roimh  latha  Chriosd  cha  robh  ann  an 
dochas  na  beatha  maireannaich  ach  dochas 
fhein,  ach  rinn  esan  an  dochas  so  laidir  agus 
cinnteach  agus  sheulaich  e  e  le  aiseirigh,  air 
chor  agus  gu  bheil  a  nis  dearbhachd  againne 
as  laidire  na  bha  eadhon  aig  daoine  naomh 
ann  an  laithean  lob. 

Bu  nihaith  learn  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so  ann  an  cainnt  cho  simplidh  's  a  ghabhas 
deanamh  ciod  e  an  dochas  a  tha  an  creideamh 
Criosduidh  a'  toirt  dhuinn  a  thaobh  nam 
marbh.     Is  e  so  ar  dochas. 


(1)  Gu  bheil  iad  aig  uair  am  bais  a'  dol  a 
steach  gu  lathaireachd  Chriosd. 

(2)  Gu  bheil  iad  air  an  glanadh,  air  an 
soillseachadh,  agus  air  an  deanamh  foii'fe. 

(3)  Gu  bheil  iad  a'  faotainn  an  ruin  agus 
an  iarrtuis  ann  an  aonadh  dluth  ri  luchd-an- 
gaoil  a  bha  thall  romhpa. 

(4)  Gu  bheil  iad  a'  feitheamh  ann  an  sith 
ri  dara  teachd  an  t-Slanuighir,  ris  an  Ais- 
eirigh, agus  ri  la  mor  a'  bhreitheanais. 

So  dochas  ait  nan  an'ma  naomh' 
O'n  Slanuighear  caomh  an  tras, 
A  thug  an  Spiorad  dhaibh  maraon, 
Mar  sheul  is  earlais  graidh. 

Ach  is  ann  do  chreidhmhich  a  mhain  a 
bhuineas  an  dochas  beannaichte  so  ;  dhaibh- 
san  a  chaidhleas  ann  an  Criosd  mar  tha  Pol 
ag  radh. 

Ri  aghaidh  a'  bhais  agus  an  sgaraidh  a  ni 
am  bas  ann  an  teaghlaichean  chan  'eil  ann 
ach  aon  chomhfhurtachd  as  fhiach  dhuinn  a 
thairgsinn  do  chridheachan  leonta,  dochas  na 
beatha  maireannaich.  Sin  a'  chomhfhurt- 
achd a  thug  ar  Slanuighear  do  dhaoine  an 
uair  a  bha  e  air  thalamh,  agus  sin  a'  chomh- 
fhurtachd cuideachd  a  thug  Pol  do  luchd-a'- 
bhroin.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  iomadh 
tobar  eile  ann  as  am  faod  daoine  comhfhurt- 
achd  fhaotainn  a  chuidicheas  iad  an  uair  a 
dh'  fheumas  iad  dealachadh  r'  an  cairdean 
gaoil,  ach  so  a  mhain  a'  chomhfhurtachd  anns 
a  bheil  beatha  agus  neart  do'n  chridhe,  dochas 
na  beatha  maireannaich  agus  dearbhachd  gu 
bheil  luchd-ar-gaoil  sona  maille  ri  Criosd. 


Di-Domhnaich  Casg 


Leis  an  Uhramach  Calum  Mac  Leoid,  M.A.,  Eaglais  Iain  Knox,  an  Glaschu 


IS  ann  a  reir  an  t-soluis  iiir  Earraich  a  tha  a' 
Chaisg  a'  tighinn  a  steach.  A  cheud  Di- 
mairt  de'n  t-solus  so  'se  sin  Di-mairt  Inid 
agus  tha  Di-domhnaich  Casg  seachdseachdainn- 
ean  an  deidh  na  h-Inid  ;  mar  a  theireadh  na 
seann  daoine  : 

Seachd  seachdainnean  o  bhreith  gu  bas 
eadar  Caisg  is  Inid. 

Tha  an  solus  iir  Earraich,  ma  tha,  a'  tighinn  a 
steach  am  bliadhna  air  Di-sathurna  an  dara 
la  fichead  de  Februaraidh  ;  agus  is  e  a'  cheud 
Di-mairt  an  deidh  sin  an  coigeamh  la  fichead — 
la  na  h-Inid — agus  tha  Di-domhnaich  Casg 
seachd  seachdainnean  an  deidh  sin.  Fagaidh 
sin  Di-domhnaich  Casg  am  bliadhna  air  an 
dara  la  deug  de  dh'  Aprail. 

Is  ann  an  iasad  o'n  Eabhra  a  fhuair  sinn  am 
facal  Caisg  (jpesach)  troimh  an  Laidionn  (jjascha) 


agus  tha  e  ag  ciallachadh  dol  thairis,  no  gahhail 
seachad.  Tha  cuimhne  agad  gur  h-ann  anns 
an  Eipheit  a  bha  a'  cheud  Chaisg  air  a'  cumail  ; 
gu'n  d'  thug  an  Tighearna  aithne  do  Mhaois 
agus  do  Aaron  iad  a  thoirt  air  an  t-sluagh  uan  a 
mharbhadh  an  oidhche  mus  d'  thug  e  a  mach 
as  an  Eipheit  iad,  agus  an  fhuil  aige  a  chra- 
thadh  le  bad  hiosoip  air  da  ursainn  agus  air 
ard-dorus  nan  tighean,  chum  's  gu'n  gabhadh 
aingheal  an  sgrios  thairis  air  na  tighean  is  na 
teaghlaichean  sin  a  bha  an  fhuil  air  na  dorsan 
aca.  So,  ma  tha,  a'  Chaisg — dol  thairis,  no 
gabhail  seachad,  tre  fhuil  an  uain  chasg. 
Bha  clann  Israel  tearuinte  agus  fhuair  iad 
saorsa  tre  fhuil  an  uain,  agus  dh'  fhag  iad  tir 
na  h-Eiphit  agus  tigh  na  daorsa. 

Thug  an  Tighearna  aithne  cuideachd  dha 
shluagh,  iad  an  am  so  a'  chumail  'na  fheill 
naomh    dha-san,    mar   chuimhneachan    air    an 


DI-DOMHNAICH  CASG— NEARTACHADH  GU  TREUN 


3 


t-saorsa  a  thug  esan  dhaibh,  agus  mar  a  dhion  e 
iad  o  aingheal  an  sgrios.  Bha  mar  sin  a' 
Chaisg  air  a  cumail  a  reir  ordugh  Dhe  a  nuas 
troimh  na  linntean  gus  gur  ann  air  a'  Chaisg 
a  cheusadh  an  Tighearn  losa  an  Jerusalem. 
Is  ann  air  Di-haoine  roimh  Shabaid  na  Casg 
a  chaidh  esan  a  chrochadh  air  a'  chrann,  agus 
mar  sin  theirear  Di-haoine  na  Ceusda  ris  an 
Di-haoine  roimh  Dhi-domhnaich  Casg.  B'e 
an  ath  la — Di-sathurn — Sabaid  nan  ludhach, 
agus  air  an  treas  la  dh'  eirich  esan  o  na  mairbh  ; 
agus  is  ann  mar  urram  is  mar  chuimhneachan 
air  aiseirigh  ghlormhor  an  Tighearna  a  thoisich 
na  Criosduidhean  ag  cumail  an  la  sin — a' 
cheud  la  de'n  t-seachdain — mar  Shabaid  nan 
Criosduidhean.  'Se  Di-sathurn  a  tha  na 
h-Iudhaich  ag  cumail  fhathast  mar  la  na 
Sabaid  seach  nach  'eil  iad  ag  creidsinn  ann  an 
Criosd  mar  am  Fear-saoraidh. 

Tha  mar  sin  a  h-uile  Di-domhnaich  no  la 
an  Tighearna — o'n  is  e  sin  a  tha  am.  facal 
Di-domhnaich  ag  ciallachadh — -'na  la  casg 
do  shluagh  an  Tighearna  o'n  is  ann  air  a' 
cheud  Di-domhnaich  a  dh'  eirich  e  o  na 
mairbh. 

Tre  aiseirigh  o  na  mairbh  dh'  fhoillsich 
Criosd  do'n  t-saoghal  gu'n  d'  thug  e  buaidh 
air  an  uaigh  agus  air  a'  bhas,  agus  mar  sin 
gu'n  d'  thug  e  saorsa  is  beatha  shiorruidh  do 
na  h-uile  a  tha  beo  annsan.  Tha  aoibhaeas  air 
leth  mar  sin  an  cois.na  Casg,  an  cois  feill  co- 
ainm  Aiseirigh  bheannaichte  an  Tighearn 
losa  ;  aoibhneas  gu  bheil  ar  Slanuighear  beo, 
agus  seach  gvi  bheil  esan  beo  gu'm  bidh  sinne 
beo  mar  an  ceudna  ;    aoibhneas  seach  gu'n  d' 


thug  esan  buaidh  gu'n  toir  sinne  buidh  annsan 
mar  an  ceudna.  So,  ma  tha,  dhuinne  a  tha 
ann  an  Criosd,  feill  an  aoibhneis,  feill  na 
Casga.  So  Sabaid  a  ghairdeachais,  Di-domh- 
naich Casg.  Tha  laithean  ann,  agus  tha 
amannan  ann,  air  am  beil  e  ceart  agus  dligheach 
dhuinn  a  bhi  dubhach  agus  trom,  ach  air  la 
na  Casg  cha  bhuin  dhuinn  mar  Chriosduidhean 
ach  a  bhi  aoibhneach  is  sona  oir  tha  losa  air 
eirigh  o  na  mairbh  agus  tha  e  nise  beo  gu 
siorruidh  air  ar  son-ne — ar  Slanuighear  is 
Fear-ar-graidh. 

Ceud  failt  ort  a  mhadainn 

A  mhadainn  an  aigh  ; 

Choamh  mhadainn  gun  ghruaimean, 

Gun  smalan  gun  bhruaillean  ; 

Ghlan-rosgaibh  gun  smuairean, 

Lan  uaisle  is  graidh  ; 

Duisg  aoibhneas  neo-thi-uaillidh, 

Mhaireas  buan  gu  brath. 

Dhaibh  innis  gu'm  fac  thu 

Sar  ghaisgeach  nam  buadh, 

A'  mosgladh  's  a'  diisgadh, 

O'n  chadal  bu  chiiiin  : 

Mar  mhadainn  a  ghniiis-gheal, 

Gun  smuirein  gun  ghruaim  ; 

G'u'n  chreachadh  's  gu'n  spiiineadh, 

An  tiir  leis  's  an  uaigh. 

Dhaibh  innis  gu  siorruidh 
An  grian  e  's  an  r6d  ; 
An  didean  gach  latha. 
An  Slanuighear  gu  brath  ; 
An  gaisgeach  nach  ce^rr  e, 
An  am  gabhaidh  no  broin  ; 
'S  nach  diobair  gu  brMh  e, 
Gus  'n  tarr  iad  gu  gloir. 

{As  an  Laoidheadair). 


Neartachadh  gu  treun 


Leis  an  Urhamach  C'Ar,uM  Gilliosa  nach  maireann,  a  bha  an  Caihinis,  an  Uidhist  a  Tuath 

"  Gu'n  debnaicheadh  e  dhnihh  a  reir  saoibhreis  a  ghlbire  ^bhi  air  bhur  neartachadh  gu  treun,  tre  a  Spiorad- 

san  anns  an  duine  an  leth  stigh.'''' — Eph.  iii,  16. 


THA  Pol  an  so,  ufiata,  ag  guidhe  as  leth  nan 
Ephesianach  air  son  an  neartachaidh  a 
fhuair  e  fhein  'na  fheum,  neartachadh  a  tha 
cuideachd  mhor  do-aireamh  a'  toirt  fianuis 
gu'n  d'  fhuair  iadsan  cuideachd,  is  tha  an 
t-abstol  dana  'na  iirnuighean,  mar  is  toil  leis 
an  Tighearn  gu'm  bitheadh  e.  Oir  nihol  E 
an  creideamh  a  dh'  iarradh  agus  a  ghabhadh 
nithean  mora,  is  dh'  innis  E  gur  e  an  tomhas 
anns  am  biodh  creideamh  dhaoine  an  tomhas 
anns  am  biodh  a  thiodhlacan  dhaibh.  Mar 
sin  ghuidh  an  t-abstol  chan  ann  a  mhain  air  ison 
neartachadh,  ach  air  son  neartachadh  gu  treun. 
Mar  sin  chan  e  a  chreideamh  a  mhain  a  nochd 
e,  ach  a  ghhocas  is  eolas  mar  an  ceudna.  Oir 
is  e  treun-neartachadh  air  am  bi  feum  aig 
daoine,  neartachadh  cho  treun  's  gur  ann  bho'n 
Tighearn  a  mhain  a  tha  e  ri  fhaotainni. 


"  Air  'ur  neartachadh  gu  treun,"  ars'  an 
t-abstol  'na  iirnuigh,  "  Air  'ur  neartachadh 
gu  treun."  Ciamar  ?  'N  an  cnamhan  agus 
'n  am  feithean  ?  Chan  ann.  Is  maith  neart 
de'n  t-seorsa  sin,  ach  's  iomadh  duine  aig 
a  bheil  neart  'na  chnamhan  agus  'n  a 
fheithean  nach  'eil  a'  deanamh  moran  maith 
leis,  nach  'eil  a'  deanamh  ni  na  's  fhearr  leis 
na  'n  tigh  a  thoirt  a  nuas  air  fhein  's  air  each 
mar  a  rinn  Samson.  Bu  mhaith  a  b'  aithne 
do  Phol  nach  b'e  an  duine  an  leth  a  muigh  an 
duine.  Neart  bho'n  taobh  a  muigh  is  laigse 
an  taobh  a  stigh,  's  e  companaich  chunnartach 
a  tha  annta  !  Ach  ma  bhios  duine  air  a  neart- 
achadh 's  an  duine  a  leth  a  stigh  bidh  sin  'na 
bharrant  gu'm  bi  neart  an  duine  a  leth  a  muigh 
air  a  chur  gu  criochan  ceart,  agus  ge  b'  e  air 
bith  cho  bochd  's  a  bhios  an  duine  an  leth  a 


4 


NEARTACHADH  GU  TREUN 


muigh  cha  bhi  duine  gu  brath  gun  bhuaidh  a 
bhios  air  a  neartachadh  's  an  doigh  sin. 

Cha  do  dh'  fhuirich  an  t-abstol  aig  na  h- 
iomaill  le  iirnuighean.  'S  e  an  corp  an  t-iomall 
dhinn.  Ach  chaidh  an  t-abstol  gu  teis  meadhon 
ciiise  anns  an  dearbheachd  an  ni  bhiodh  anns 
a'  mheadhon  gu'n  ruigeadh  e  na  h-iomaill, 
's  mar  sin  ghuidh  e  gu'm  biodh  iad  air  an 
neartachadh  gu  treun  's  an  duine  leth  a  stigh. 
Agus  mar  a  chaidh  a  radh  cheana  bheir  sin 
spionnadh  nuadh  do'n  duine  leth  a  muigh, 
's  chan  'eil  ni  eile  ann  a  ni  e  coltach  ris.  "  Air 
'ur  neartachadh  gu  treun  's  an  duine  a  leth  a 
stigh."  Co  uaithe  ?  Le  a  spiorad-san.  Tha 
neartachadh  ann  nach  'eil  bho'n  Tighearn, 
neartachadh  's  an  olc,  is  chan  'eil  laigse  ann 
coltach  ri  sin,  is  chan  'eil  sgrios  ann  coltach  ris. 
Tha  Isaiah  a'  luaidh  air  an  neartachadh  sin 
agus  a'  chrioch  a  bhios  aige — "  Is  truagh  do'n 
chloinn  cheannaircich,  deir  an  Tighearn,  a  tha 
dealbh  chomhaii'lean,  ach  chan  ann  uamsa, 
a  tha  comhdachadh  le  brat  foluich,  ach  chan 
ann  le  mo  spiorad-sa  .  .  .  a  ta  'g  imeachd  gu  dol 
sios  do'n  Eiphit,  ach  nach  d'  fhiosraich  dhiom-sa 
chum  iad  fein  a  neartachadh  le  neart  Pharaoh 
agus  a  dheanamh  buin  a  sgaile  na  h-Eiphit. 
Ach  bithidh  neart  Pharaoh  dhuibh  'na  naire, 
agus  'ur  bun  a  sgaile  na  h-Eiphit  'na  mhasladh. 
(Isaiah,  xxx,  1-3). 

Sin  a'  chrioch  a  bhios  aig  neartachadh^nach 
'eil  bho'n  Tighearn.  Ach  's  e  crioch  eile  a 
bhios  aig  neartachadh  an  Tighearn — -"  neart- 
aichidh  mi  iad  anns  an  Tighearn  agus  'na 
ainm-san  gluaisidh  iad,  deir  an  Tighearn 
(Sech.  X,  12).  Bithidh  esan  a  tha  lag  'n  am 
measg  mar  Dhaibhidh,  agus  tigh  Dhaibhidh 
mar  Dhia,  mar  aingeal  an  Tighearn  'n  an 
lathair  (Sech.  xii,  8).  Chan  'eil  aon  ann  a 
neartaicheas  mar  a  ni  spiorad  an  Tighearn, 
a  neartaicheas  na  nithean  a  tha  ullamh  gu 
basachadh,  a  neartaicheas  na  nithean  aig  a 
bheil  feum  air  taic,  's  air  cumail  suas.  Tha 
feum  againn  air  a  leithid  sin  de  neartachadh. 
Tha  sinn  an  crochadh  air  spiorad  an  Tighearn 
air  son  a  leithid  sin  de  neartachadh.  Mar  a 
h-aithne  dhuinn  sin  iarramaid  a  bhi  air  ar 
neartachadh  gu  treun  le  a  spiorad-san  's  an 
duine  a  leth  a  stigh.  'S  e  spiorad  an  Tighearn 
a  dheachd  an  urnuigh  so  ann  an  cridhe  an 
abstoil,  is  cha  do  dheachd  E  urnuigh  riamh 
nacheisdE.  "  larraibh  agus  bheirear  dhuibh." 
'S  e  an  Criosd  aig  a  bheil  an  spiorad  'na  thiodh- 
lac  a  thug  an  gealladh  sin. 

"  Air  'ur  neartachadh  gu  treun  le  a  spiorad- 
san  's  an  duine  a  leth  a  stigh."  Nise  tha 
iomadh  crioch  a  bhios  air  a  cuairteachadh  le 
neartachadh  an  Tighearn  air  daoine,  ach  ciod 
i  a'  chrioch  araidh  a  bha  ann  an  amharc  an 
abstoil  ?  A  chum  gu'n  gabhadh  Criosd  cbmh- 
nuidh  ann  'ur  cridhe  tre  chreideamh.  Tha 
e  luaidh  air  neartachadh  mar  ni  a  bhuineas 


gu  h-araidh  do'n  spiorad,  air  comhnachadh 
mar  ni  a  bhuineas  gu  h-araidh  do  Chriosd. 
'S  gheibh  sibh  gu  bheil  an  urnuigh  so  a'  luaidh 
ni  bhuineas  do'n  Trianaid  uile  ann  an  cuisean 
ar  slainte.  Mar  tha  aon  araidh  'ga  chur, 
"  tha  na  h-  uile  nithean  hho'n  athair  tre  Chriosd 
\&  frithealadh  no  co-chur  an  spioraid." 

Ach  anns  an  dara  pairt  so  de  dh'  iirnuigh  an 
abstoil  tha  e  ag  guidhe  air  son  comhnachadh 
Chriosd  anns  a'  chridhe.  Ciod  tha  e  ag 
ciallachadh  le  Criosd  a  bhi  comhnachadh  's  a' 
chi'idhe  ?  An  e  buaidhean  araidh  bho  Chriosd, 
impidhean  bho  Chriosd  spiorad  Chriosd  ? 
Tha  e  ag  ciallachadh  sin  ach  chan  e  sin  uile 
na  tha  e  ag  ciallachadh.  Tha  e  ciallachadh 
Criosd  fhein  a  bhi  comhnachadh  's  a'  chridhe. 
Is  anns  an  urnuigh  mhoir  so  air  son  comhna- 
chadh Chriosd  'n  an  cridheachan  chan  'eil  an 
t-abstol  ag  guidhe  ni  air  son  nan  Ephesianach, 
ach  ni  a  tha  e  ag  radh  a  thachair  'na  f  hiosrach- 
adh  fhein.  Tha  mi  beo,  ars'  esan,  gidheadh 
cha  mhise  ach  Criosd  a  tha  beo  annam.  Tha 
Criosd  ag  gabhail  comhnuidh  ann  an  cridhe- 
achan a  shluaigh.  Nach  iongantach  an  smaoin 
sin,  Criosd  ag  gabhail  comhnuidh  ann  an 
cridhe  duine  !  'S  e  sin  a  tha  an  fhirinn  ag 
radh  ann  am  barrachd  is  aon  aite  dhith. 

Mata  "  arsa  cuideigin,  "  ma  tha  E  gu 
comhnuidh  a  ghabhail  'na  mo  chridhe-sa  gu 
brath  nach  ann  agam  a  tha  'n  obair  mus 
ullaich  mi  mo  chridhe  air  son  gu'n  comhnuich- 
eadh  E  'na  mo  chridhe.  O  's  ann  agad 
a  tha  an  obair  da  rireadh.  'S  i  obair  i  nach 
urrainn  dhuit  a  dheanamh.  Cha  b'e  do 
charaid  a  theireadh  riut  gu'm  b'  urrainn.  Ma 
tha  do  chridhe  gu  bhi  air  ullachadh  gu  brath 
air  son  gu'n  gabhadh  Esan  comhnuidh  ann 
's  e  fhein  a  dh  fheumas  ullachadh.  Fa  chomh- 
air  d'  eu-comais  ullachadh  a  dheanamh  tha 
E  ag  radh,  "  Feuch  tha  mi  am  sheasamh 
aig  an  dorus,  agus  a'  bualadh  ;  ma  dh'  eisdeas 
neach  sam  bith  agus  gu'm  fosgail  e  an  dorus 
thig  mi  stigh  agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir 
maille  ris  agus  esan  maille  riumsa."  'S  e  uile 
na  bheil  E  ag  iarraidh  de  dh'  ullachadh  gu'n 
leigte  stigh  E,  is  bidh  E  'n  a  aoidh  agus  'na 
f  hear-ullachaidh  agus  'na  f  hear-an-tighe.  Agus 
na  droch  aoidhean  a  bha  agad,  agus  a  fhuair 
ceannas  ort  agus  a  chuir  do  thigh  troimh 
cheile,  agus  nach  urrainn  duit  a  chur  a  mach  le 
d'uile  oidhirpean,  cuiridh  esan  chon  an  doruis 
iad.  'S  e  eolas  maith  a  tha  ann  an  eolas  ar 
michomasan.  Chan  e  h-uile  duine  aig  a  bheil 
e.  Mhuinntir  a  fhuair  e  chan  ann  an  aon  la 
a  rainig  iad  air.  Ach  's  e  cheud  uidhe  air 
slighe  na  slainte  e.  Fhad's  a  bha  Pol  'na 
Pharasach  fein -fhoghainte ach,  fein-fhireanta 
cha  do  ghabh  Criosd  comhnuidh  'na  chridhe. 
Fhad  's  a  bha  Iain  Bunyan  a'  deanamh  duine 
maith  dheth  fein  le  oibribh  fhein  cha  do  ghabh 
Criosd    comhnuidh    'na    chridhe.     Fhad    's    a 


NEARTACHADH  GU  TREUN— NAIDHEACHD  A  UIDHIST 


bha  Luther  a'  deanamh  droch  dhiol  air  a  chorp 
gu  bhi  cosnadh  slainte  cha  do  ghabh  Criosd 
comhnuidh  'na  chridhe.  'S  ann  an  la  a  threig 
cobhair  iad  ann  a  bhi  ag  ullachadh  an  cridhe, 
's  ann  an  la  a  chaidh  iad  'n  an  daoine  bochda, 
briste,  a  chual  iad  Criosd  ag  radh — "  Anns  an 
ionad  ard  agus  naomha  gabham-sa  comhnuidh 
maille  ris-san  fos  a  tha  bochd  agus  leointe 
'na  spiorad."  'S  a  thuirt  iad  ris — "  Thig  a 
stigh  thusa  a  tha  beannaichte  o'n  Tighearn  's 
comhnuich  agus  rioghaich  'na  mo  chridhe-sa." 
'S  a  thuirt  E  riu — "  An  so  ni  mise  fardoch 
dhomh,  oir  's  e  mo  mhiann  gu  fior." 

Tha  Criosd  a'  deanamh  fardoch  dha  fhein 
ann  an  cridheachan  nam  bochdan,  's  a  ris  chan 
e  impidhean  bho  Chriosd  a  mhain  a  tha  air  a 
chiallachadh  ach  Criosd  fhein  gu  bhi  gabhail 
comhnuidh  anns  a'  chridhe.  larramaid  ma  ta 
gu'm  biodh  an  spiorad  sin  againn  air  an  tug 
Criosd  a  bheannachd  ;  oir  gus  am  faigh  sinn  sinn 
fein  'n  ar  daoine  meaght  cha  bhi  ullachadh  no 
aoidheachd  againn  do  Chriosd.  Ach  a  ris 
feumar  so  a  radh,  chan  'eil  bochdainn  maith 
ach  mar  cheum.  Cha  dean  ar  bochdainn  moran 
feum  dhuinn  mur  cuir  e  sinn  gu  Fear-nan- 
ionmhasan.  'S  mar  sin  air  son  gu'n  gabhadh 
Criosd  comhnuidh  'na  ar  cridheachan  chan  e 
bochdainn  spioraid  a  mhain  air  a  bheil  feum 
againn  ach  creideamh  mar  an  ceudna — 
"  Gu'n  gabhadh  Criosd  comhnuidh  ann  ar 
cridheachan  tre  chreideamh."  'S  chi  sibh 
gur  e  comhnachadh  Chriosd  air  son  a  bheil  an 
t-abstol  a'  guidhe.  Nise  ciamar  a  tha  sin  ? 
Ma  ta,  'nuair  a  tha  daoine  air  an  gluasad  le 
am  feum  's  e  an  Tighearn  a  tha  tighinn  'n  an 
aire,  's  ann  'ga  ionnsuidh — san  a  dh'  iarras 
iad,  is  tha  an  Tighearn  'g  an  cur  a  dh'  ionnsuidh 
a  mhic  mar  an  t-slighe,  'ga  ionnsuidh -san, 
mar  am  Fear  ionaid  dhaibh-san,  mar  an  eiric 
's  an  iobairt-reitich  air  an  son.  Thog  E  Esan 
suas  fa  chomhair  nan  ciontach  agus  nam  feum- 
ach  a  chionn  gu'n  do  threig  cobhair  iad. 
Thog  E  Esan  suas  an  deidh  dha  tiodhlacan 
fhaotainn    do    dhaoine.       Thog   E   Esan  suas 


mar  cheannard  agus  mar  Shlanuighear.  Mar 
gu'm  b'  eadh  ag  radh,  sud  E,  Fear-saoraidh 
le  cuinhachd  ;  cleachd  creideamh  air,  's  bheir 
sin  thuffad  E  ;  ffabhaidh  E  comhnuidh  'na  do 
chridhe  tre  chreideamh.  'S  chi  sibh  chan 
e  tadhall  Chriosd  air  an  cridheachan  air  son  a 
bheil  an  t-abstol  ag  guidhe,  ach  comhnachadh. 
Chriosd  'n  an  cridheachan.  Nise  tha  fhios 
agaibh  an  t-eadar-dhealachadh  a  tha  eadar 
tadhall  is  comhnachadh.  Chan  'eil  tadhall  ach 
car  tamuill ;  tha  comhnachadh  an  comhnuidh. 
S  e  comhnachadh  Chriosd  air  son  a  bheil  an 
t-abstol  ag  guidhe  mar  ni  tha  comasach,is  feum- 
aidh  ar  n-urnuighean,  's  ar  n-iimhlachd,  's  ar 
creideamh  a  bhi  ann  an  co-bhuin  a  chum  's  gu'n 
comhnaicheadh  Criosd  maille  ruinn.  'S  e  iirnu- 
igh  mhaith  a  bha  aig  an  dithis  a  thug  comhdail 
Chriosd  riu  lasadh  cridhe  dhaibh  'nuair  a 
thubhairt  iad — "  Fan  maille  ruinne."  'S  tha 
sibh  a'  leughadh  gu'n  do  dh'  eisd  E  riu,  's  gu'n 
tug  E  dhaibh  an  iarrtus.  'S  'nuair  a  dh' 
fhalbh  E  le  a  lathaireachd  chorporra  tha 
aobhar  a  bhi  creidsinn  gu'n  do  chomhnuich  E 
'n  an  cridheachan.  Oir  chaidh  iad  gu  saothair 
's  gu  fianuis  m'a  thimchioll — "  Dh  eirich  iad 
air  an  uair  sin  fein,  agus  phill  iad  gu  Jerusalem 
ag  radh,  dh  erich  an  Tighearn  da  rireadh." 
(Lucas,  xxiv,  33).  Bha  tirnuigh,  is  iimhlachd, 
is  creideamh,  'n  an  seasamh.  'S  ma  tha  Criosd 
gu  bhi  comhnachadh  'n  ar  cridheachaibh 
feumaidh  sinn  a  bhi  ann  an  cleachdadh  nan 
nithean  sin.  Oir  ni  dearmad  orra  fhuadach 
air  falbh — "  Imichidh  mi  agus  pillidh  mi  gu 
m'  aite,  gus  an  aidich  iad  an  cionta  agus  an 
iarr  iad  m'  aghaidh."  (Hos.  v.  15).  Ach 
chan  e  gu'm  pilleadh  E  gu  aite  is  fhearr  leis, 
ach  gu  faigheadh  E  annainn  an  seasamh  a 
dheanadh  comasach  dha  comhnachadh  'n  ar 
cridheachan,  gu'n  cluinneadh  e  sinn  ag  radh. 
"  O  dhochais  Israeli,  a  Shlanuighear  ri  am  airce 
c'uim  a  bhitheadh  tu  mar  choigreach  anns  an 
tir  ?  agus  mar  fhear  turuis  a  thionndaidheas 
aleth — taobhgu  fuireach  caroidhche  ? "  (lerem. 
xiv.  8). 


Naidheachd  a  Uidhist 


Leis  an  Uhramach  Aonghus   L  Mac-a-Bhiocaib,  M.A.,  an  Cinn-tire 


ANNS  an  linn  a  dh'  fhalbh  bha  da  bhrathair 
-LA-ann  an  Uidhist  a'  Chinn-a-Tuath  a  bha  ag 
oibreachadh  an  fhearainn  am  pairt.  Bha  an 
dithis  posda,  Gilleasbuig  a'  comhnuidh  ann 
an  aon  cheann  an  taighe  agus  Aonghas  's  a' 
cheann  eile.  Bha  an  aon  sabhal  agus  an  aon 
bhMtheach  agus  stabull  agus  iodhlann  aca. 
Ged  nach  robh  iad  coltach  ri  cheile  'n  an  nadur 
no  'n  an  doighean  bha  iad  daonnan  a'  cordadh 


is  bha  e  air  a  radh  nach  cualas  riamh  aon 
dhiiibh  a'  labhairt  facal  crosda  ris  an  fhear 
eile.  Cha  d'  thainig  facal  mor  no  beag  eatorra 
riamh. 

Chuala  na  h-uile  iomradh  air  oidhche  na 
stoirme  moire  anns  a'  bhliadhna  1879,  an 
oidhche  a  thuit  Drochaid  Abhuinn  Tatha, 
agus  a  chaidh  gach  anam  a  bha  gabhail  an 
turuis    air    a'    charbad-iaruinn    a    bhathadh. 


NAIDHEACHD  A  UIDHIST— SGIATHAN  NA  MAIDNE 


Air  an  oidhche  ud,  feasgar  Sabaid,  bha  Gilleas- 
buig  agus  Aonghas  am  muigh  a'  gabhail  aig 
na  taighean  agus  aig  na  cruachan-arbhair  amis 
an  iodhlainn  le  ropan  agus  le  acraichean- 
cloiche.  'Nuair  a  rinn  lad  na  b'  urrainn  dhaibh 
thubhairt  Gilleasbuig,  am  brathair  bu  shine, 
"  Theid  sinn  a  steach  ;  chan  urrainn  dhuinn 
an  corr  a  dheanamh,  agus  fagaidh  sinn  gach 
ciiis  ann  an  lamhan  an  Tighearna."  Chaidh 
iad  a  steach,  agus  tha  e  air  aithris  gu'n  tug 
Gilleasbuig  lamh  air  a'  Bhiobull  agus  gu'n 
do  thoisich  e  air  leughadh  agus  ri  gleachd  ri 
Dia  ann  an  urnuigh,  agus  gu  h-araidh  as  leth 
na  muinntir  a  bha  air  muir  ;  agus  nach  do 
ffhabh  e  tamh  no  fois  s;us  an  do  lasaich  a' 
ghaoth. 

Samhradh  no  dha  an  deidh  bliadhna  na 
stoirme  moire  bha  Gilleasbuig  agus  Aonghas 
ag  aiseag  ceilpe,  comhla  ri  feadhainn  eile,  bho 
Bhagh-a '-Chaise  gu  bata  mor  a  thainig  a  dh'  aon 
ghnothuch  a  Glascho  air  son  luchd  ceilpe, 
agus  a  bha  aig  ceatha  Loch-nam-Madadh. 
Bha  na  fir  'n  an  seasamh  aig  braigh  na  laimhrig, 
buidheann  an  sud  agus  an  so  a'  bruidhinn  ; 
agus  CO  a  thachair  a  bhith  gabhail  ceum  mu  'n 
cuairt  ach  sgiobair  a'  bhata  a  Cluaidh.  'Nuair 
a  rainig  e  a'  bhuidheann  anns  an  robh  Gilleas- 
buig stad  e  air  a  cheum  agus  chuir  e  failte 
chridheil  orra  uile.  Thoisich  iad  air  seanchas 
air  ais  agus  air  adhart  mu  'n  t-side,  mu  phrisean, 
agus  mu  ghnothuichean  coitchionn  na  duthcha. 
An  drasda  's  a  rithis  bheireadh  an  sgiobair 
siiil  air  Gilleasbuig  mar  gu'n  robh  e  'ga  leth- 
aithneachadh.  Mu  dheireadh  thall  sheall  e 
air  Gilleasbuig  an  clar  an  aodainn,  agus  smeid 
e  a  thaobh  e. 


"  Tha  e  ruith  'n  am  inntinn,"  arsa  esan, 
"  gu'm  faca  mi  roimhe  thu,  a  dhuine,  ach  tha 
e  fairtleachadh  orm  a  chuimhneachadh  c'  uin 
no  c'  aite." 

Sheall  Gilleasbuig  air,  agus  thubhairt  e, 
"  Cho  fad  's  as  fhiosrach  mise,  cha  do  thachair 
sinn  ri  cheile  riamh  roimhe,  air  muir  no  air 
tir." 

"  Tha  e  agam,"  arsa  an  sgiobair,  agus  a 
shuil  'na  cheann  a'  lasadh.  "  C'aite  an  robh 
thu  air  an  leithid  so  a  dh'  oidhche,"  ag  ain- 
meachadh  oidhche  na  stoirme  moire. 

"  Cha  robh  mise  riamh  an  taobh  am  muigh 
de  na  Madaidh,"  fhreagair  Gilleasbuig,  "  ach 
tha  cuimhne  mhath  agam  air  an  oidhche 
sin." 

C  aite  am  bith  an  robh  thusa,"  thubhairt 
an  sgiobair,  "  bha  mise  'n  am  eiginn  's  a' 
Chuan  Sgitheanach,  agus  mi  a'  ruith  mar 
a  dh'  fhaodainn  gu  aite  fasgaidh,  's  mi  a' 
guidhe  ri  Dia  trocair  a  dheanamh  orm  ;  agus 
chunnaic  mi  thusa  an  oidhche  ud  cho  tais- 
beanach  mu  'm  choinneamh  air  an  drochaid 
'sa  tha  mi  'g  ad  fhaicinn  air  an  fheasgar  so  air 
braigh  ceatha  Loch-nam-Madadh." 

Mar  gu  'm  biodh  ni-eigin  neo-thalmhaidh 
'g  an  tarruing  ri  cheile,  ghlac  an  dara  fear 
lamh  an  fhir  eile,  agus  cha  do  labhair  a  h-  aon 
diubh  facal.  Bha  iad  le  cheile  a'  smaoineach- 
adh  's  a'  meomhrachadh  gu  trang. 

Sin  agad,  a  leughadair,  an  naidheachd 
mar  a  chuala  mise  i,  agus  tha  iomadh  latha 
uaithe  sin.  De  do  bharail  fhein  oirre  ?  Mar 
a  thubhairt  an  Salmadair  o  shean,  "  Tha  na 
nithean    sin    tuilleadh    as    ard    air    mo    shon- 


Sgiathan  Na  Maidne 


MOCH  fosglaim  m'  uinneag  gach  maduinn, 
Steach  thigeadh  soillse  Do  ghrais  ; 
Seid  t'  anail  gu  ciibhraidh  mu'  m  chagailt 

A'  fadadh  fann-shradaig  gu  blaths  : 
Sguab  urlar  falaichte  m'  inntinn 

O  gach  smiir,  o  gach  smal  agus  sgleo  ; 
Siab  bharr  mo  spiorad  gach  duibhre 
'Chuireadh  eislean  no  airsneal  air  m'  fheoil. 


Air  m'  ard-dorus  's  air  mo  dha  ursainn 
Cuir  seul'  agus  comharra  graidh  ; 

O  m'  ard-bhuinn  buin  tubaist  is  tuisleadh. 
Cum  mo  dhachaidh  o  easbhuidh  's  o  phlaigh  : 
Aig  gach  cuirean  is  gniomh  agus  dleasnas 
Cuir  siird  agus  spionnadh  'n  am  laimh  ; 

O  mhoch-thra  gu  ciaradh  an  fheasgair 

Saor  o  rag-leisg  gach  alt  agus  enaimh. 


Leig  Do  ghrian  fo  mo  chabair, 

Suain  gach  maide  le  h-or  ; 
Cuir  aoigh  air  gach  aghaidh, 

Lion  gach  cridhe  le  D'  threoir  : 
Mu  'n  tog  dealt  na  h-oidhche  bharr  machair, 

Mu  'n  tig  caismeachd  o  ghob  gach  coin, 
Mosgaileadh  mo  rosg  ri  D'  mhaise  ; 

Cluinneadh  mo  chlaisneachd  Do  cheol. 

Air  a'  mhodh  so  ni  mi  tagradh, 

'Togail  fuinn  an  glasadh  la  : 
Dia  'n  am  bhruidhinn  's  'n  am  smaointinn, 

Dia  'n  am  chridhe  's  'n  am  shaothair  ; 
Dia  mor  nam  Flaitheas  Naomh 

Air  mo  thoiseach  's  ri  mo  thaobh. 
Chum  mo  ghleidheadh  is  mo  sheoladh. 

Mo  shior  chobhair  's  mo  bhuan  sholais — • 
'N  diugh,  a  maireach,  's  gu  brath. 

Calum  Laing. 


COMUNN  NAM  BAN-UASAL 


Comunn  Nam  Ban-Uasal 

Le  Eachann  Mac  Dhughaill,  an  Glaschu 


THA  mi  ag  creidsinn  nach  e  a  h-uile  aon  de 
leughadairean  nan  duilleagan  Gaidhlig  amis 
a'  Mhiosachan  so  a  thuigeas  anns  a'  cheud 
thoiseach  ciod  an  comunn  a  tha  mi  ag  ciall- 
achadh  le  "  Commm  nam  Ban-uasal."  Theag- 
amh  le  ainm  a'  chomuinn  ghasda  sin  a  chur 
sios  anns  a'  Bheurla — "  The  Ladies'  Associa- 
tion " — gur  ann  a  b'  fhearr  a  thuigteadh  an 
tiodal.  Is  e  sin,  mata,  an  comunn  a  tha  a' 
tighinn  fa-near  dhomhsa  an  ceartair  ;  agus  is  e 
am  priomh  aobhar  a  chionn  e  bhi  a'  tighinn 
fa-near  dhomh  an  drasd  gu'n  do  ghleidh  iad 
an  ceathramh  fichead  's  a'  coig  coinneamh 
bhliadhnail  an  Glaschu  an  la-roimhe. 

Is  mor  agus  is  ionmholta  an  obair  a  rinn  an 
comunn  so,  agus  a  tha  e  a'  deanamh,  oir  is 
fhada  e  bho  cheann  a  shaothrach  fathast,  ged 
a  tha  cuid  de'n  obair  mhoir  a  rinn  e  fada  shios 
anns  an  linn  a  thriall  bhuainn  air  tighinn  gu 
ceann.  Ach  a  bheil  i  aig  a  ceann  ?  Chan  'eil 
mi  uile  gu  leir  ceart  ann  a  bhi  ag  radh  gu'n 
do  chriochnaicheadh  a'  chuid  sin  de'n  obair, 
oir  is  e  mo  Ian  is  mo  dheai'bh  bheachd  nach  tig 
an  sguab  mu  dheireadh  de'n  toradh  a  tha  a' 
tighinn  mar  gheall  air  an  t-saothair  ud  a  stigh 
do  shabhal-tasgaidh  a'  chinne-daonna  gus  an 
tig  crioch  air  an  t-saoghal  fein  agus  air  na 
daoine  a  tha  air  uachdar  ! 

Chuireadh  an  comunn  so  air  bonn  anns  na 
bliadhnachan  cruadha  ud  a  thainig  air  a' 
Ghaidhealtachd  an  uair  a  dh'  fhalbh  am  bun- 
tata  bho  chionn  corr  math  is  ceithir  fichead 
bliadhna.  Air  an  la  an  diugh,  an  uair  a  tha 
pension  na  scan  aois,  pension  bhantrach  is 
iomadh  seorsa  eile  de  thighinn  a  stigh  aig 
sluagh  na  Gaidhealtachd  (cho  math  ri  sluagh 
eile),  cha  chluinnear  a'  bheag  mu  "  bhliadhna 
a'  choirce  ghoirid  "  no  "  a'  bhliadhna  a  dh' 
fhalbh  am  buntata  "  ;  ach  b'  ion  do  na  seann 
daoine  cuimhne  a  bhi  aca  air  na  bliadhnachan 
a  bha  an  sud,  bliadhnachan  na  teanntachd  is 
an  acrais,  bliadhnachan  a'  chruais,  an  ainnis  is 
na  h-eilthireachd  !  Thuit  iomadh  cruadal  is 
cradh  air  na  Gaidheil  anns  an  am  ud ;  ach  an 
uair  a  dh'  fhailnich  an  teachd-an-tir  a  bu 
tomadaiche  a  bha  aca,  is  nach  robh  ach  bach- 
lagan  ruadha,  meirgte,  gun  chnap  ro  bhuann- 
achdail  ach  griiiileagain  Ian  gaoid  mu  am 
bun,  chaidh  an  tonn  buileach  orra  !  Chunnaic 
sinne  a  tha  an  nis  a'  tarruing  suas  an  aois 
iadsan  a  thainig  troimh  na  bliadhnachan 
doruinneach  ud,  is  chuala  sinn  an  sgeul  orra. 
B'i  sin  sgeul  a'  bhroin  ;  agus  b'e  an  t-aobhar 
broin  gun  a  leithid  e  an  uair  a  bha  na  Gaidheil 
a  bu  treumanta  a'  fagail  an  duthcha  gu  an 
teachd-an-tir  a  sholar  an  diithchannan  cein, 
agus   moran   dhiubhsan   nach   robh   comasach 


air  sin  a  dheanamh,  no  a'  bheag  de  agh  sam 
bith  a  dheanamh  air  an  son  fein,  ag  cromadh 
an  cinn  ris  an  iiir  is  a'  dol  a  sealladh  ! 

B'iad  sin  na  laithean  anns  an  do  chuireadh 
an  comunn  rimach  so  air  bonn  le  mnathan 
uaisle  an  taoibh  deas,  Dun-eideann  is  Glaschu, 
agus  ^itean  eile.  Bha  iomadh  taobh  air  an 
obair  a  ghabh  na  mnathan-uaisle  so  os  laimh. 
Cha  robh  Sgoil-bhuird  no  Education  Authority 
ann  an  uair  ud,  is  bha  Achd  an  Fhoghluim 
fathast  corr  is  fichead  bliadhna  air  thoiseach 
orra  am  folach  fo  sgothan  an  ama  ri  teachd. 
Mar  a  thubhairt  am  bard  e,  "  bha  na  Gaidheil 
ro  aineolach,  dall,  le  ionnsachadh  gann  'nam 
measg  "  an  uair  ud.  B'e  sgoiltean  a  chur  air 
bonn  'nam  measg  gu  leigheas  a  thoirt  air  an 
eucail  so  a'  cheud  obair  a  ghabh  an  comunn 
uasal  so  os  laimh.  Chuireadh  suas  tighean- 
sgoile.  Cha  b'e  leth-bhreac  nan  luchairtean 
a  tha  air  an  cur  suas  an  diugh,  gun  teagamh, 
a  bha  annta,  oir  cha  robh  iad  ach  gle  dhiblidh, 
gun  moran  greadhnachais  orra  a  thairngeadh 
an  t-siiil  'nan  rathad  ana  muigh  no  a  stigh  ; 
ach  fathast,  bu  thighean-sgoile  iad,  agus  ged 
a  dhimadh  am  fear  mu  dheireadh  dhiubh  bho 
chionn  choig  bliadhna  deug,  is  dana  esan  a 
shaoileadh  no  a  dh'  abradh  gu'n  d'thainig  an 
dimadh  nan  sgoiltean  sin  deireadh  am  feuma 
no  an  toraidh  do  Chlann  nan  Gaidheal  no 
do'n  t-saoghal  ! 

B'iad  na  maighistearan-sgoile  a  bha  air  an 
suidheachadh  anns  na  sgoilean  so  oileanaich 
a  bha  a'  toirt  am  mach  am  foghlum  air  cheann 
na  ministrealachd  anns  na  colaisdean.  Bhiodh 
iad  fein  air  cheann  na  h-oibreach  an  am  an 
t-samhraidh,  an  uair  a  bhiodh  an  Colaisde 
ma-sgaoil  ;  agus  an  am  geamhraidh  bhiodh 
seol  air  choir-eiginn  eile  air  a  dheanamh. 
Theagamh  gur  e  piuthar  an  oileanaich  a  bhiodh 
ag  gleidheadh  tighe  leis,  le  euideachadh  aoin 
de  na  balaich  mhora,  is  e  fein  le  shiiil  air  a' 
Cholaisde,  an  uine  ghearr,  a  ghiiilaineadh 
air  aghaidh  an  obair. 

Chan  'eil  fios  agamsa  cia  mheud  sgoil  a  bha 
fo  riaghladh  a'  chomuinn  so  an  uair  a  bu 
mhotha  a  bha  aca  dhiubh,  ach  bha  iad  aca 
cha  mhor  anns  gach  cearn  de  na  h-Eileanan  is 
de  chorsachan  siar  na  Gaidhealtachd,  agus 
CO  a  thomhais,  no  a  thoimhseas,  an  obair  mhor 
a  rinn  iad  !  Mar  a  thubhairt  aon  de  na  labhair 
anns  a'  choinneimh  bhliadhnail  so,  b'e  obair  a' 
chomuinn  na  ghabhadh  cur  sios,  mar  ghearr- 
iomradh,  air  paipear,  plus  rud-eiginn  eile  ; 
ach  cha  ghabhadh  am  plus  sin  tomhas  no  co- 
thromachadh  ! 

Bha  mise  air  aon  de  na  bha  aig  a'  choinn- 
eimh so,  agus  is  e  a  bhuail  'nam  inntinn  an 


8 


COMUNN  NAM  BAN-UASAL 


uair  a  bba  mi  'nam  shuidhe  am  measg  na 
cuideachd,  is  cha  mhor  nach  faodainn  a  bhi 
cinnteach  as,  gu'm  bu  docha  gu'm  bu  mhi 
an  t-aon  duine  eadar  bhallachan  an  t-seomair 
anns  an  robh  sinn  cruinn  a  fhuair  earrann 
d'a  ionnsachadh  (am  beagan  a  tha  agam  !) 
an  aon  de  na  sgoiltean  so.  Bha  mise  an  aon 
dhiubh  gus  an  robh  mi  seachad  air  da  bhliadhna 
dheug,  agus  ciod  am  fios  nach  faodadh  leugha- 
dairean  nan  duilleagan  so  a  bhi  iarrtach  air 
beagan  a  leughadh  mu'n  cuairt  oirre.  •  Ach 
mu'n  tig  mi  a  dh'ionnsuidh  sin,  dh'fhaodainn 
ainmeachadh  nach  b'iad  na  sgoiltean  is 
foghlum  na  cloinne  a  mhain  anns  an  do  chuir 
an  comunn  so  lamh.  Bha  an  lamh  an  obair 
eile  cuideach  cho  math  ri  cuisean  foghlum, 
mar  a  bha  gibhtean  an  aodach  is  caisbheart 
an  da  chuid  do'n  chloinn  is  do  inbhich,  deideagan- 
cluiche  do'n  chloinn  an  am  na  Nollaige,  is 
rudan  mar  sin  ;  ach  is  e  cuid  na  sgoile  dhe  ris 
a  bheil  mise  a'  buntainn  an  ceartair. 

Bha  mise  "  thall  is  chunnaic  mi,"  oir  b'ann 
an  seann  tigh-sgoil  Bhosta,  a  bha  fo  riaghladh 
a'  chomuinn  so,  a  fhuair  mi  mo  cheud  inn- 
treachadh  air  an  a-b-c  is  ceann-fhreumhan  eile 
an  eolais.  Chan  'eil  fios  agam  ciod  an  aois 
a  bha  mi  an  uair  a  chaidh  mi  do'n  sgoil  so  an 
toiseach,  ach  tha  mi  cinnteach  nach  robh  mi 
co-dhiubh  dad  seachad  air  coig  bliadhna,  ma 
bha  rai  sin  fein.  Innsidh  mi  dhuibh  c6  am 
maighstir-sgoile  a  bha  againn  :  bha  an  t-Urr. 
Seoras  Sutharlan  coir  a  thug  a  dheagh  shaoth- 
air  do'n  Eaglais  mar  mhinistear  cliuiteach 
'na  dheidh  sin.  Bha  e  iiine  mhor  an  Torasa, 
am  Muile,  agus  chan  'eil  fada  bho'n  a  leig  e 
dheth,  a  thaobh  anfhannachd  na  h-aoise  a 
bhi  a'  tuiteam  air,  an  eaglais  do  an  deach  e 
'na  dheidh  sin,  am  Bruan,  shuas  an  Gallaibh. 
Chuir  e  mor  bhron  orm  an  uair  a  chuala  mi 
bho  chionn  ghoirid  nach  'eil  e  an  deagh  shlainte 
an  diugh  ;  ach  tha  dochas  agamsa,  mar  a  tha 
aig  iomadh  caraid  eile,  gur  a  h-iomadh  latha 
math  a  bhios  air  a  luigheasachadh  dha  fathast 
maille  r'  a  chairdean  's  a  luchd-daimh  mu'n 
triall  e  gu  a  dheagh  dhuais  an  luchairt  nan 
iomadh  seomar.  Chan  'eil  mi  cinnteach  ciod 
an  taobh  de'n  chrich  eadar  Gallaibh  is  Cataibh 
as  an  robh  e,  ach  tha  fios  agam  gu'n  robh  a 
cheann  Ian  de  dheagh  Ghaidhlig. 

Cha  bheo  an  ath  mhaighstir-sgoile  a  bha 
againn — Gilleasbuig  Mac  Neill  a  He.  B'ann 
an  seirbhis  a  Mhaighstir  a  bhuail  galar  a 
bhais  esan,  thall  thairis,  oir  is  e  an  Soisgeul 
a  shearmonachadh  do  na  cinnich  a  chuir  e 
roimhe  fein  mar  dhleasanas. 

Is  ann  a  Eilean  Bhoraraidh,  eilean  a  thatar 
ag  innseadh  dhomh  a  tha  an  diugh  'na  f  hasach, 
a  bha  an  ath  fhear  a  bha  againn — ^Cailean 
Mac  Ghilleathain.  Chan  fhios  dhomh  am  beo 
esan  no  ciod  a  dh'eirich  dha. 

An  ath  oileanach  a  fhuair  sinn  b'e  Seumas 


Mac  Coinnich  a  Ploc  Loch-aillse  ;  agus  na'n 
teannainn  ri  cunntas  a  thoirt  an  so  air  a  shaoth- 
air  an  aobhar  a  Mhaighstir,  ged  a  bhiodh 
barrachd  eolais  agam  oirre  na  tha  agam, 
cha  b'e  aon  mhiosachan  ach  aireamh  na 
bliadhna  uile  gu  leir  a  dh'  fheumteadh  gu  a 
liubhairt  seachad,  is  fathast,  bhiodh  moran  air 
fhagail. 

Is  e  searmonachadh  an  t-Soisgeil  an  tirean 
cein,  cho  math  ri  ealain  na  dotaireachd,  a 
ghabh  esan  mar  an  ceudna  mar  dhleasanas, 
agus  re  choig  bliadhna  fichead  rinn  e  saothair 
mhor  anns  na  Hebrides  Nodha  shios  anns  a' 
Chuan  Sheimh  mu  Dheas.  As  a'  sin  chaidh 
e  air  cheann  ospadail  lobhar  an  Corea,  an  Siona, 
agus  am  measg  mhuinntir  allmharra  na  tire 
sin  tha  e  a'  saothrachadh  bho  chionn  she 
bliadhna  deug,  a'  leigheas  an  da  chuid  chorp 
is  anamannan  dhaoine.  Tha  e  an  ceann  na 
dreuchd  sin  fathast,  ged  a  tha  e  gu  math  suas 
am  bliadhnachan,  agus  tha  a  ghinneil  fein  a' 
leantainn  a  cheumannan  gu  deas  is  gu  coimh- 
honta.  Mar  sin,  nach  fior  e  dhomh  a  radh 
nach  'eil  is  nach  bi  crioch  air  toradh  saothrach 
Comunn  nam  Ban-uasal  so  ! 

Bha  aon  eile  againn  fathast,  am  fear  mu 
dheireadh  a  bha  innte  gus  an  do  dhiiineadh  i, 
an  toiseach  an  t-samhraidh,  anns  a'  bhliadhna 
1892.  B'esan  Eoghan  Mac  Coinnich,  brathair 
do  Sheumas  ;  agus  b'e  an  raon  farsuing  thar 
chuan  a'  searmonachadh  an  t-Soisgeil  ris  an 
do  thog  esan  a  dhiiil  is  a  shiiil  mar  an  ceudna. 
Thuit  a  chorp  anns  an  strith  ud  a  bha  is  a 
tha  cho  diomain  is  cho  dosgainneach  air  na 
daoine  ;  ach  is  cinnteach  gu'n  do  sheol  a 
spiorad  gu  ionad  na  sithe  far  an  robh  a  dheagh 
dhuais  a'  feitheamh  air  Bhuaithe-san  aig  a 
bheil  stiiiir  na  cruinne  'na  ghlaic  ! 

Ciod  an  nis  an  seorsa  sgoile  a  bha  anns  an 
sgoil  bhig  ud  ?  Mata,  chan  urrainn  dhomhsa 
sin  innseadh  dhuibh  na's  fearr  na  sealladh 
beag  a  thoirt  dhuibh  air  obair  an  latha  mar  a 
bha  i  air  a  giiilan  air  a  h-aghaidh  bho  Luan 
gu  Aoine,  agus  bho  Challuinn  gus  an  ath 
Nollaig  'san  am  anns  an  robh  mise  innte. 
Bha  suas  mu  dha  fhichead  sgoilear  innte  anns 
an  am  ud,  ged  nach  'eil  anns  an  sgoil  iir  a  tha 
'na  h-aite  an  diugh  ach  eadar  ceithir  is  se  ! 
B'ann  a  reir  an  leabhair-leughaidh  anns  am 
bitheamaid  a  bha  an  clas  air  a  chuimseachadh — 
an  ceud  leabhar,  an  dara  leabhar,  is  mar  sin 
air  aghaidh,  gu  ruig  an  coigeamh  leabhar. 
Bha  iadsan  a  bha  anns  a'  choigeamh  leabhar 
air  an  cunntadh  cho  math  's  a  dh'fhaodadh 
fiughair  a  bhi  aca  ris  gus  am  fagadh  iad  an 
sgoil  uile  gu  leir,  na's  lugha  na  gu'n  robh  'nam 
beachd  dreuchd  sonraichte  a  thoirt  am  mach, 
is  mar  a  theireadh  na  mathraichean  e,  "  aran 
glan  a  chosnadh  dhoibh  fein." 

{Ri  leantainn) 


Aireamh 


5 


93 


An  Soisgeul  Agus  An  Saoghal 

Leis  an  Urr.  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  Gleann  Eilg 

"C'/mn  'eil  sinna'  faicinn  nan  uile  nithean  fathast  air  an  cur  fa  cheannsal,  ach  chi  sinn  losa.  .  .  ." 

Eabii  ii.  8-9. 


T 


"IHA  dluth  ail-  da  mhile  bliadhna  bho  chaidh 
leabhraichean  an  Tiomnaidh  Nuaidh  a  sgrio- 
bhadh  agus  bho  thachair  na  nithean  mu  'm 
bheil  iad  a'  deanamh  iomraidh,  agus  anns  an 
{line  fhada  sin  is  mor  an  t-atharrachadh  a  tha 
air  tighinn  air  an  t-saoghal  agus  air  a  hichd- 
comhnuidh. 

Air  an  oidhche  nochd  'n  am  sheomar  shamh- 
ach  a'  cur  nam  briathran  so  an  altaibh  a  cheile, 
cluinnidh  mi,  ma's  aill  learn,  guthan  dhaoine 
eile  'g  am  ruigheachd  a  teas-meadhon  straigh- 
lich  gach  baile  mhoir  's  an  Roinn  Eorpa.  Is 
gann  gu'm  bheil  latha  a  bheir  mi  suil  air  paipear- 
naigheachd  nach  leugh  mi  mu  innleaehd  tir  air 
chor-eigin.  An  drasda  agus  a  rithis  tha  feall- 
sanach  mor  a'  fosgladh  a  bheoil  neo  ag  iomairt 
a  phinn  agus  a'  sparradh  oirnn  bhi  toirt  fainear 
mar  tha  eolas  'g  a  mheudachadh  agus  innleach- 
dan  gun  aireamh  'g  an  sior-dheanamh.  Tha 
gach  bliadhna  iir  'g  ar  giulan  ceum  na's  fhaisge 
air  lan-choimhlionadh  faidheadaireachd  Dhaniel 
(xii.  4)  — "  Ruithidh  moran  sios  agus  suas,  agus 
bithidh  eolas  air  a  mheudachadh." 

A  reir  coltais,  tha  clann  nan  daoine  an  diugh, 
ann  an  doigh  nach  robh  'san  amharc  aig  an 
t-Salmaidh  (Salm  viii),  a'  cur  nan  uile  nithean 
fo'n  casan,  air  muir  agus  eadhon  fo'n  mhuir,  air 
tir  agus  anns  an  adhar.  Gu  dearbh  saoihdh 
sinn  air  uairean  gu'm  bheil  daoine  ag  oidhir- 
peachadh  tur  Bhabeil-a  thogail  as  ur.  "  Thig- 
ibh,"  arsa  iadsan,  "  togamaid  dhuinnfein  baile 
agus  tur,  aig  am  bi  a  mhullach  a  ruigheachd  gu 
neamh,  agus  deanamaid  dhuinn  fein  ainm  " 
(Gen.  xi.  4<).  Is  gann  a  ghabhas  a  thuigsinn  na 
h-adhartasan  a  tha  air  an  deanamh  'n  ar  latha 
ann  an  eolas  agus  ealain  agus  innleaehd  de  gach 
seorsa. 

Ach  tha  mi  cuideachd  a'  leughadh  nithean 
eile  anns  a'  phaipear-naigheachd.  Cho  fad  agus 
a  chi  sinne,  chan  'eil  na  nithean  sin  uile  a  bha 
mi  ag  ainmeachadh  a'  fagail  an  t-saoghail  dad 
na's  sitheil  neo  na's  sona  neo  na's  sabhailte. 
Direach  a  chionn  's  nach  ann  le  nithean  a 
bheathaichear  spiorad  neo-bhasmhor  an  duine. 
chan  fhaod  sinn  bhi  'g  ar  mealladh  fhein  le 
lionmhorachd  nan  nithean  a  tha  sinn  a'  sealbh- 
achadh  anns  na  laithean  iongantach  agus 
adhartachail  so,  oir  chan  ann  anns  na  nithean 
sin  tha  fior  bheatha  an  duine  a'  comh-sheasamh. 
Bitheamaid  taingeil  air  son  gach  goireas  agus 
gach  innleaehd    dUgheach,  agus  air  son  gach 


gliocais  agus  eolais  tha  Dia  toirt  dhuinn  agus 
sinne  'g  an  cruaidh-shireadh.  Ach  lamh  air 
laimh  leis  an  t-soirbheas  sin  tha  gainne  agus 
bochdainn  anns  an  t-saoghal,  tha  eadhon  cogadh 
agus  mort  agus  spiiilleadh  a'  dol  air  adhart  gu 
follaiseach,  tha  iomagain  ann  an  iomadh  cridhe 
agus  amharus  eagalach  an  iomadh  inntinn. 
Nach  fhaod  e  bhi  cho  fior  m'an  ghinealach  so 
agus  a  bha  e  mu  chlann  Israeil — "  Thug  Dia 
dhoibh  an  iarrtus,  ach  chuir  e  caoife  air  an 
anam  "  (Salm  cvi.  15). 

Is  e  fath  a'  ghnothaich  gu'm  bheil  sinn  eadhon 
anns  an  Hnn  shoillsichte  so  a'  toirt  aoraidh  agus 
a'  deanamh  seirbhis  do'n  chreutair  na's  motha 
na  do'n  Chruithear  agus  ag  radh  ri  obair  ar 
lamhan  fein,  "  Is  sibh-se  ar  diathan-ne."  B'e 
sin  cuideachd  an  fhianuis  a  chaidh  a  thogail 
air  a'  ghinealach  am  measg  an  do  ghluais  an 
Tighearna  losa  ann  an  laithean  fheola  air  an 
talamh. 

Chi  sinn  na  Pharasaich  le  an  iirnuighean  fada 
briathrach  anns  na  sionagogaibh  agus  aig 
coinneachadh  nan  sraidean,  a'  feuchainn  gu 
treibhdhireach  a  bhi  dileas  do'n  t-solus  a  thug- 
adh  dhoibh  agus  a  thaobh  fireanteachd  an 
lagha  a  bhi  neo-choireach,  agus  mar  sin  a'  streap 
suas  gu  bhi  'n  an  suidhe  ann  an  cathair  Mhaois. 
Chi  sinn  buidheann  eile  de  na  h-Iudhaich — na 
Sadusaich  —  agus  gun  mhoran  aite  no  suim 
aca  do  nithean  crabhaidh,  ach  fhathast  le  ceal- 
gaireachd  agus  le  bhi  cosnadh  cairdeas  an 
t-saoghail  agus  gean-maith  nan  cumhachdan  a 
bha  lathair,  a'  streap  do'n  inbhe  a  b'airde,  an 
ard-shagartachd.  Chi  sinn  na  Greugaich  le 
diomhaireachd  smuainte  agus  le  feallsanachd 
dhomhain,  le  oirdhearcas  cainnte  agus  le  snas- 
Utreachas,  a'  cosnadh  cliti  dhoibh  fein.  Chi 
sinn  na  Romanaich  le  cruadal  's  a'  chath,  le 
neart-airme  agus  le  ealain-riaghlaidh,  a'  cur  an 
t-saoghail  fo'n  casan,  ionnus  gu'm  b'urrainnear 
a  radh  gu'n  deachaidh  aig  Tiberius  Ceasar  air 
an  domhan  uile  a  mheas. 

Ach  ged  bu  mhor  an  inbhe  agus  an  cUii  a 
choisinn  iad  sin  uile,  gach  buidheann  'n  an  doigh 
fein,  le  crabhadh  no  le  seoltachd,  le  gliocas  no 
le  lamhachas-laidir,  cha  tug  iad  buaidh  anns  an 
t-seadh  a  b'airde.  Tha  an  t-abstol  Pol — agus 
bha  e  fhein  uair-eigin  'n  a  f hior-Pharasach — ag 
aideachadh  ged  bu  mhath  am  faradh  air  an  robh 
na  Pharasaich  a'  direadh  suas,  cha  b'e  faradh  a 
bha  ann  mar  a  chunnaic  lacob  aig  Betel,  faradh 


AN  SOISGEUL  AGUS  AN  SAOGHAL 


aig  an  robh  a  bharr  a  ruigheachd  gu  neamh. 
Ma  their  neach  sam  bith  gu'm  bu  bheannaichte 
na  Pharasaich  agus  iad  a'  smuaineachadh  air 
lagh  Dhe  a  latha  agus  a  dh-oidhche,  eisd  ri 
aideachadh  an  Pharasaich  mhoir — "  Och  is 
duine  truagh  mi !  Co  shaoras  mi  o  chorp  a' 
bhais  so  ?  "  (Rom.  vii.  24).  Ma  shaoileas  neach 
gu'm  bu  shona  na  Sadusaich  agus  iad  ann  an 
ard-inbhe,  eadhon  an  cathair  Aaroin,  cuimhnich 
gur  e  bha  annta  daoine  a  bha  ag  aicheadh  aiseir- 
igh  nam  marbh,  daoine  aig  an  robh  an  dochas 
anns  a'  bheatha  so  a  mhain  agus  saoghal  nan 
spiorad  'na  aite  tiamhaidh  dhoibh.  Ged  bu 
mhath  gliocas  na  Greige,  cha  b'aithne  dhoibh 
tre  ghliocas  Dia,  agus  ged  bha  iad  a'  faicinn 
ard-shhghe  nan  deagh-bheus  cha  robh  iac^  ag 
amas  air  imeachd  air.  Agus  ged  bu  mhor  cumh- 
achd  na  Roimhe  a'  ceannsachadh  gach  namh- 
aid,  agus  ged  b'fharsuing  an  impireachd,  bha 
raontan  sonruichte  ann  air  nach  tug  iad  buaidh, 
agus  b'iad  sin  raontan  uaigneach  an  cridheachan 
fein,  mar  a  chi  sinn  le  siiil  a  thoirt  air  toiseach 
htir  PhoiJ  chum  nan  Romanach. 

A  dh'aindeoin  gach  crabhaidh,  gach  seol- 
tachd,  gach  gliocais,  gach  cumhachd,  bha  ain- 
shith  agus  bochdainn  spioradail  aca  mar  an  cuid, 
direach  mar  a  tha  againn  fhein  an  diugh  a 
dh'aindeoin  gach  adhartais  a  tha  sinn  a'  dean- 
amh.  Air  do'n  duine,  anns  an  hnn  ud  agus 
anns  an  Hnn  so,  a  bhi  gabhail  d'a  ionnsuidh 
fhein  briathran  an  t-Salmaidh,  gu'm  bheil  na 
h-uile  nithean  air  an  cur  fo  'chosaibh,  feumiaidh 
e  aideachadh  nach  'eil  na  h-uile  nithean  fhathast 
air  an  cur  foidhe.  'N  a  mhaighistir  air  nithean 
an  taobh  a  mach  dha,  tha  an  duine  fhathast  'n 
a  thraill  aig  na  naimhdean  a  tha  e  ceadachadh 
a  bhi  gabhail  comhnuidh  'n  a  chridhe — ana- 
mianna  na  feola  agus  anamianna  nan  sul  agus 
uaibhear  na  beatha.  Tha  e  an, diugh  cho  fior 
agus  a  bha  e  riamh  gur  fearr  an  ti  a  riaghlas  a 
spiorad  na  esan  a  ghlacas  ard-bhaile.  Is  maith 
eolas  agus  innleachd  agus  goireas,  ach  am  bheil 
iad  'g  ar  cuideachadh  gu  bhi  ceannsachadh  nan 
naimhdean  marbhtach  aig  am  bheil  an  daing- 
neach  laidir  ann  an  cridhe  uaigneach  an  duine  ? 
"  Ciod  e  an  tairbhe  do  dhuine  ged  chosnadh  e 
an  saoghal  gu  h-iomlan  agus  'anam  a  chall  ?  " 

Ach,  buidheachas  do  Dhia,  a  dh'ionnsuidh  a' 
ghinealaich  ud  thainig  naigheachd  beannaichte 
an  Tiomnaidh  Nuaidh,  agus  a  dh'ionnsuidh 
saoghal  a  bha — agus  a  tha — cho  trang  a' 
carnadh  suas  stor  de  nithean  neo-mhaireannach 
thainig  deagh-sgeul  mhor-aoibhneis  Dhe  tre 
losa  Criosd.  Dhoibh-san  a  bha  caitheamh 
airgid  air  ni  nach  aran  agus  an  saothair  air  ni 
nach  sasuich  thugadh  lan-thairgse  air  tiodhlac 
Dhe  ann  an  Criosd.  Faiceamaid  an  t-atharr- 
achadh  a  rinn  e  dhoibh-san  a  ghabh  thuca  fein 
e,  oir  tha  e  a'  deanamh  a'  cheart  atharrachaidh 
an  duigh  mar  an  ceudna  do'n  dream  a  tha 
gabhail  ris. 


An  uair  a  thainig  Criosd  a  dh'ionnsuidh  an 
t-saoghail,  cha  do  chuir  E  stad  air  amhghar  agus 
pian  agus  deuraibh,  eadhon  dhoibh-san  a  rinn 
an  roghainn  dheth.  'S  e  sin  r'a  radh,  cha  tug  E 
dhoibh  sgiathan  columain  gu  bhi  teicheadh  air 
falbh  o  na  duilgheadasan  anns  an  robh  iad  an 
sas.  Thug  E  ni  a  b'fhearr  dhoibh.  Cha  do 
dh'atharraich  E  an  suidheachadh  saoghalta,  ach 
dh'atharraich  E  an  spiorad  agus  dh'ath-nuadh- 
aich  E  an  cridhe,  agus  mar  sin  thug  E  coth- 
rom  agus  comas  dhoibh  a  bhi  toirt  buaidh  anns 
an  t-suidheachadh  anns  an  robh  iad. 

longantach  's  gam  bheil  e  r'a  radh,  chan  'eil 
leabhar  eile  sgriobhte  anns  am  bheil  uidhir  de 
bhron  agus  de  amhghar  agus  a  tha  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh.  'N  a  fhior-thoiseach  cluinn- 
ear  guth  ann  an  Rama,  caoidh  agus  gul  agus 
bron  ro-mhor,  air  do  Herod  le  laimh  neo-thruac- 
anta  na  leanaban  neo-chiontach  a  mhort.  Aig 
deireadh  an  Tiomnaidh  Nuaidh  cluinnear  eugh 
air  son  cobhair  ag  eirigh  o'n  eaglais  agus  i  a' 
fulang  fo  laimh  fhuileachdaich  impireachd  na 
Roimhe — "  Thig,  a  Thighearna  losa  "■ — coltach 
ri  fios  chabhagach  air  a  chur  a  mach  o  bhata  a 
tha  deanamh  long-bhriseadh  ann  an  doinnion 
gharg.  Ann  an  teas-meadhon  an  leabhair  so  tha 
garadh  Ghetsemane  le  chruaidh-ghleachd  ;  chi 
sinn  talla  a'  bhreitheanais  agus  crim-droighinn 
agus  sliabh  Chalbhari  le  a  chroinn-ceusaidh. 
Ach,  aig  a'  cheart  am,  chan  'eil  leabhar  eile 
sgriobhte  anns  am  bheil  a  leithid  de  shubhachas 
agus  de  ghairdeachas.  Tha  e  a'  toiseachadh 
le  oran-molaidh  nan  aingeal  agus  laoidhean 
beannachaidh  Sharachias  agus  Mhuire,  agus 
tha  e  dimadh  le  iolach  ait  o  shluagh  mhor  nach 
gabh  aireamh,  de  gach  uile  chinneach  agus 
threubhan  agus  shloigh  agus  theangaibh,  a' 
glaodhaich  le  guth  ard — "  Slainte  do  ar  Dia-ne 
a  tha  'n  a  shuidhe  air  an  righ-chathair  agus  do'n 
Uan.  .  .  .  Dha-san  a  ghradhaich  sinn  agus  a 
dh'  ionnlaid  sinn  o  ar  peacaibh  'n  a  fhuil  fein, 
agus  a  rinn  righrean  dhinn  agus  sagartan  do 
Dhia  agus  d'a  athair-san  ;  dha-san  gu  robh 
gloir  agus  cumhachd  gu  saoghal  nan  saoghal." 
Chi  sinn  dream  eile  a'  dol  a  mach  le  gairdeachas 
a  chionn  gu'n  do  mheasadh  gu'm  b'airidh  iad 
air  eas-urram  fhulang  air  son  ainm  Chriosd 
(Gniomh.  v.  41).  Cluinnidh  sinn  an  t-abstol 
agus  e  'n  a  phriosanach  anns  an  Roimh,  agus 
slabhraidh  iaruinn  an  crochadh  ri  caol  a  dhiiirn, 
agus  is  e  so  an  duan  a  tha  aige  :  "  Deanaibh 
gairdeachas  anns  an  Tighearna  a  ghnath  ;  a 
rithis  tha  mi  ag  radh,  Deanaibh  gairdeachas  " 
(Phil.  iv.  4). 

Is  e  so,  mata,  a  rinn  Criosd  dhoibh-san  a  chuir 
an  doigh  ann.  Cha  tug  E  mach  as  an  t-saoghal 
iad,  ach  thug  e  dhoibh  bhi  toirt  tuilleadh  agus 
buaidh  trid-san  a  ghradhaich  iad,  air  chor  agus 
nach  robh  bas  no  beatha  no  uachdranachdan 
no  cumhachdan  no  nithean  a  bha  lathair  no 
nithean  a  bha  ri  teachd  no  airde  no  doimhne 


AN  SOISGEUL  AGUS  AN  SAOGHAL— LANACHD  BEATHA 


no  ni  sam  bith  eile  comasacli  air  cron  a  dhean- 
amh  orra.  Ann  am  facal,  thug  E  dhoibh  a 
bhi  seinn  orain  eadhon  ann  am  priosan  na 
beatha  so  agus  dorchadas  'g  an  cuairteachadh 
agus  ceangal  air  an  lamhan  agus  an  casan,  mar 
a  thug  E  do  Phol  agus  do  Shilas  (Gniomh.  xvi. 
25).  Agus  is  e  sin  a  tha  Criosd  a'  gealltainn 
agus  a'  deanamh  an  diugh. 

Bha  creidmhich  an  Tiomnaidh  Nuaidh  gair- 
deachail  agus  subhach — ^eadhon  ann  an  suidh- 
eachadh  doirbh  agus  cunnartach — chan  ann 
a  chionn  's  gu'n  do  chuireadh  na  h-uile  nithean 
fo'n  casan,  no  a  chionn  's  gu'n  robh  crabhadh 
no  seoltachd  no  ghocas  no  cunahachd  sam 
bith  a  bha  aca  'n  a  thaic  dhoibh.  "  Chi  sibh 
fein  'ur  gairm,"  arsa  Pol,  "  nach  iomadh  iad  a 
tha  ghc  a  thaobh  na  feola,  nach  iomadh  cumh- 
achdach,  nach  iomadh  uasal  a  tha  air  an  gairm, 
ach  roghnuich  Dia  nithean  amaideach  .  .  . 
nithean  anmhunn  .  .  .  nithean  an-uasal  .  .  . 
agus  nithean  tarcuiseach  "  (1  Cor.  i.  26-28). 
Chan  e  gu'n  robh  iad  foghainteach  uapa  fhein, 
ach  b'ann  o  Dhia  a  bha  am  foghainteachd.  Agus 
bha  iad  cinnteach  a  Dia  chionn  's  gu'n  d'fhuair 


iad  eolas  air  Criosd.  "  A  nis,"  arsa  iadsan, 
"  chan  'eil  sinn  a'  faicinn  nan  uile  nithean 
fathast  air  an  cur  fa  cheannsal,  Ach  chi  sinn 
losA  "  (Eabh.  ii.  8-9). 

"  Chi  SINN  losA  "  is  e  sin  sluagh-ghairm  na 
h-eaglaise.  Is  e  sin  bonn  ar  dochais  agus 
freumh  ar  creidimh.  Le  sin,  ged  bhiodh  freas- 
dal  Dhe  dhuinn  mar  dhorchadas  a'  mheadhon- 
oidhche,  agus  ged  bhiodh  ar  suidheachadh 
saoghalta  'g  ar  druideadh  a  steach  mar  ann 
am  priosan,  faodaidh  sinn  laoidh-mholaidh  a 
sheinn,  agus  co  aige  tha  fhios  nach  cluinn  prios- 
anaich  truagha  eile  sinn,  co  aige  tha  fhios  nach 
toir  Dia  crathadh  air  an  t-saoghal  a  bhriseas 
bunaitean  ar  priosain,  co  aige  tha  fhios  nach  toir 
sin  air  luchd-coimhid  a'  phriosain,  eadhon  cumh- 
achdan  an  t-saoghail  so,  glaodhach  a  mach  air 
son  soluis  agus  tighinn  air  chrith  a  dh'fhaigh- 
neachd,  "  A  mhaighstearan,  ciod  is  coir  dhuinn 
a  dheanamh  chum  gu'n  tearnar  sinn  ?  "  Agus 
is  e  freagirt  na  h-eaglaise,  "  Creidibh  aims  an 
Tighearna  losa  Criosd,  agus  tearnar  sibh." 

Is  ann  mar  so  a  bheir  an  soisgeul  buaidh  air 
an  t-saoghal. 


L^nachd  Beatha 


Leis  an  Urbamach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-Naomhaig 


ANN  an  ci-idhe  mhic  an  duine,  tha  iarrtus  dian 
air  lanachd  agus  sonas.  Co  dhiubh  a  tha 
e'g  an  sealbhachadh  ann  an  tomhas  no  as  an 
eugmhais,  tha  miann  orra  an  comhniudh  'n  a 
aignidhean,  agus  bithidh  a  dhtiil  riu  'n  a  shaoth- 
air  is  'n  a  shugradh.  Cha  tuigear  duine  beo 
gun  a  bhi  a'  cuimhneachadh  gu  bheil  an 
t-iarrtus  so  suidhichte  domhain  'n  a  ghne,  agus 
'g  a  ghluasad  'n  a  uile  dhoighean,  ann  an 
slighean  an  t-seacharain  cho  maith  ri  slighe  an 
dleasdanais.  Eadhon  'n  a  pheacanna  is  duaich- 
nidh  cruth,  is  ann  am  btheantas  ag  iarraidh 
tuilleadh  beatha  agus  sonais  a  bhitheas  e. 

Tha  buidheann  mhor  de  'n  chinne-daonna  air 
an  teagasg  gur  e  an  t-iarrtus  ud  is  mathair- 
carraid  agus  an-aoibhneis  mhic  an  duine,  'g  a 
thoirt  air  seacharan,  'g  a  mhealladh,  'ga  chumail 
ann  am  buaireas  ;  agus  gur  ann  a  mhain  le  bhi 
'g  a  chasgadh,  agus  ma  ghabhas  sin  deanamh,  a' 
cur  as  dha  gu  buileach  anns  a'  chridhe,  a  gheibh- 
ear  fois  is  saorsa.  B'e  so  grunnd  teagaisg  a' 
Bhuddha,  a  tha  cumhachdach  gus  an  latha'n- 
diugh  am  measg  mhuilleinean  de'r  comh- 
chreutairean  anns  na  h-Innsean  agus  ann  an 
China.  A  reir-san,  is  eigin  dhoibh -san  a 
ruigeadh  air  fois  agus  sonas,  an  cridhe  fhalamh- 
achadh  de  mhiann  air  solasan  corporra,  agus  air 
duaisean  saoghalta  ;  agus  an  inntinn  a  thionn- 
dadh  a  stigh  gu  beachdachadh  air  gne  nan  uile 
nithe,  gus  mu  dheireadh  an  ruig  i  am  Bith  d'am 
buin  i,  anns  am  bheil  gach  ni  agus  gach  creutair 
a'   comh-sheasamh.     Anns   an  t-suidheachadh 


so,  ris  an  abrar  Nirhhana,  tha  e  air  a  thuigsinn 
gu  bheil  spiorad  an  duine  a'  tighinn  gu  aonachd 
ri  spiorad  siorruidh  na  Cruitheachd,  mar  gu'm 
biodh  e  a'  snamh  ann  an  cuan  ;  agus  anns  an 
doigh  sin,  tha  gach  miann  faoin  air  a  chasgadh, 
agus  an  cridhe  aig  fois  o  mhealladh  agus  o 
bhuaireas  iarrtuis. 

Siar  agus  Sear 

Shaoileamaid-ne  nach  gabhadh  sluagh  air  bith 
ri  teagasg  a  tha  a'  dol  cho  laidir  so  an  aghaidh  a' 
chuilg  ;  ach  is  fheudar  dhuinn  aideachadh  gu 
bheil  buaidh  mhor  aige  thairis  air  inntinn 
aeus  ffnaths  mhuilleinean  ann  an  duthchannan 
na  h-Aird-an-Ear  ;  agus  gu  bheil  e  a'cur 
dealachaidh  eadar  an  Roinn-Eorpa  agus  iadsan, 
air  nach'eil  e  furasda  faighinn  thairis.  Tha 
iadsan  ag  amharc  oirnne  mar  shluagh  eu- 
ceillidh,  acrach,  sanntach,  fiabhrusach,  a'  strioch- 
dadh  rioghachdan  a  chum  a  bhi  a'  fasgadh  asda 
am  beartais  ;  'g  ar  claoidh  fein  agus  dhaoine 
eile  air  muir  is  air  tir  a'  sireadh  saoibhreis 
shaoghalta,  ann  an  cabhaig  o  aite  gu  aite,  o 
ghnothuch  gu  gnothuch,  o  chuideachd  gu 
cuideachd,  mar  chloinn  bhig  a'  ruith  am  faileis, 
no  an  geall  air  a'  bhogha-fhrois,  ag  iarraidh  an 
comhnuidh  anns  an  t-saoghal  a  muigh  sasuchadh 
do'n  chridhe  a  stigh  ;  agus  an  deidh  ar  n-uile 
stri,  tha  sinn,  'n  am  beachd-san,  mi-shuaimh- 
neach  agus  a  dh'easbhuidh  sithe.  Air  an  laimh 
eile,  tha  sinne  ag  amharc  orrasan  mar  chreutair- 
ean  a  tha  fo  gheasan  aig  beachdan  fallsa,  a  tha 


LANACHD  BEATHA 


'g  an  cumail  bochd  'n  an  crannchur,  taireil  air 
beatha  an  duine  air  an  talamh  mar  bhruadar 
faoin,  agus  do  bhrigh  sin,  a'  diultadh  oidhirp  a 
dheanamh  air  an  suidheachadh  diblidh  a 
leasachadh;  daoine  gun  sgoinn,  gun  neart,  gun 
togradh,  coma  co  dhiubh,  a  chionn  gu  bheil  iad 
a'  meas  an  t-saoghail  uile  'na  mhealladh  agus 
gach  saothair  a  ghabhas  seachnadh  'na 
amaideas, 

Cha  chreid  mi  nach  'eil  tomhas  de  'n  fhirinn 
air  gach  taobh,  —  'se  sin,  gu  bheil  sluagh 
na  h-Eorpa  agus  America  am  bitheantas  a' 
sealltuinn  ri  sasuchadh  an  iarrtuis  fhaotainn  o'n 
t-saoghal  agus  a  bheartas,  tuilleadh  is  a  tha 
reusonta ;  agus  gu  bheil  sannt  an  t-saoghail 
so  'n  a  aobhar-buaireis  'n  ar  measg  nach'eil 
furasda  a  cheannsachadh  agus  nach  gabh 
aicheadh ;  ach  mar  an  ceudna,  gu  bheil 
luchd  -  leanmhuinn  a'  Bhuddha  a'  deanamh 
mearachd  nach  lugha  ann  a  bhi  ag  amharc  air 
saothair  an  duine  air  an  talamh  mar  fhaoineis, 
agus  gu  sonruichte  ann  a  bhi  a'  feuchainn  ri 
deidh  air  beatha  Ian,  shuilbhir  a  mhiichadh  'n  a 
chridhe,  anns  a'  bheachd  nach'eil  anns  an  duine 
e-fein  ach  cruth  a  bhuineas  do  thim,  d'an  dan 
tuiteam  air  ais  mu  dheireadh  gun  aithne,  gun 
eolas,  do  shruth  na  beatha  as  an  d'  eirich  e. 

An  uair  a  sheallas  sinn  air  teagasg  Chriosd, 
chan'eil  ni  is  soilleire  na  so,  gur  e  lanachd  beatha 
a  tha  's  an  amharc  aige  air  son  nan  uile  ;  agus 
sin  r'a  shealbhachadh,  chan  ann  le  bhi  a' 
marbhadh  iarrtus  a'  chridhe,  ach  le  bhi  'g  a 
threorachadh  gu  fior  shasuchadh.  Bha  buidh- 
eann  anns  an  duthaich  ann  an  latha  Chriosd,  ris 
an  cante  na  h-Essenich,  a  bha  gle  choltach,  'n 
am  breithneachadh  is  'n  an  cleachdadh  ri  luchd- 
leanmhuinn  a'  Bhuddha,  a'  feuchainn  ri  slainte 
agus  fois  fhaotainn  le  aicheadh,  trasgadh,  agus 
dimeas  air  an  t-saoghal.  Saoilear  gu'n  robh 
daimh,  ann  an  smuain  agus  gnaths,  eadar  iad 
fein  agus  Eoin  Baiste  is  a  dheisciobuil.  Co 
dhiubh,  an  uair  a  thog  Criosd  a  ghuth  anns  an 
diithaich,  cha  b'ann  gu  trasgadh  a  ghairm 
E  daoine  ach  gu  cuirm,  ged  a  tha  aite  aig 
trasgadh  'n  a  theagasg. 

Teagasg  Chriosd 
Is  ann  a  bha  truas  aige-san  do  'n  t-sluagh  do 
bhrigh  gu  'n  robh  iad  a'  fannachadh  a  dh'easbh- 
uidh  beatha.  "  Thainig  mise  chum  gu'm 
biodh  beatha  aca,  agus  gu'm  biodh  i  aca  ni's 
pailte."  A'  coimhhonadh  an  fhacail  ud,  dh' 
aiseig  E  slainte  cuirp  dhoibhsan  a  bha  tinn, 
fradharc  do  'n  dall,  comas  imeachd  do  'n 
bhacach  ;  thug  E  biadh  do  'n  acrach,  is  ciall 
do  'n  eu-ceillidh.  An  aite  miichaidh  a  chur  air 
an  iarrtus  air  beatha,  is  ann  a  bhrosnuich  Esan 
an  t-iarrtus  sin,  aig  a'  cheart  am  a'  tairgseadh 
dhoibh  sasuchaidh  ann  fein — aran  na  beatha 
gu  bhi  'g  an  neartachadh,  msge  beo  gu  bhi  'g 
an  urachadh,  solus   na  beatha  gu  bhi   'g   an 


soilleireachadh,  agus  'g  an  deanamh  subhach. 
Ma  dh'  fharraidear  ciod  gu  sonruichte  a  tha 
Criosd  a'  ciallachadh  leis  na  samhlaidhean  a  tha 
E  a'  cleachdadh — aran,  uisge,  solus — saoilidh  mi 
gur  e  eolas  air  Dia  mar  an  t-Athair  neamhaidh 
aig  am  bheil  gradh  siorruidh  dhoibh,  anns  am 
faod  iad  am  muinghin  a  chur  gun  chiiram,  a 
dhionas,  a  threoraicheas,  agus  a  naomhaicheas 
iad  le  a  spiorad  ;  agus  a  chuireas  rompa  ciirsa 
seirbhis  ann  an  rioghachd  shiorruidh — a  tha  ri 
a  thuigsinn  leo.  Da  rireadh,  is  beatha  mhair- 
eannach  an  t-eolas  sin  :  tha  e  'n  a  sholus  do  'n 
inntinn,  'na  aoibhneas  do  'n  chridhe,  'n  a 
dhochas  do  'n  spiorad,  'n  a  neart  do  'n  toil,  'n 
a  bhrosnuchadh  air  gach  buaidh  spioradail  a 
bhuineas  do  mhac  an  duine.  Air  an  aobhar  sin, 
chan  ionghnadh  ged  a  tha  Criosd  a'  deanamh 
iomraidh  air  brigh  agus  crioch  an  t-soisgeil  mar 
shuipeir  shuilbhir,  agus  a  rithis  mar  bhord 
bainnse  rioghail,  a  dh'  ionnsuidh  am  bheil 
daoine  air  an  cuireadh.  Cha  bhiodh  e  furasda 
samhlaidhean  is  beartaiche  fhaotainn  air 
lanachd  beatha  na  iad  sud.  Tha  e  soilleir,  mar 
an  ceudna,  gu'n  robh  Criosd  e  fein  a'  sealbh- 
achadh  a'  phailteis  agus  an  aoibhneis  air  an 
robh  E  cho  trie  a'  deanamh  luaidh  ann  an 
cosamhlachd  ;  oir  ged  is  eigin  gu'n  robh  suidh- 
eachadh truagh  an  t-saoghail  an  comhnuidh  'n  a 
aobhar-doilgheis  dha,  fhathasd,  bha  a  shaoibh- 
reas  cho  iongantach  is  gu'n  do  thog  Eoin  an 
fhianuis  so  mu  dheighinn  :  "  Ann-san  bha 
beatha  ;  agus  bi  a'  bheatha  solus  dhaoine  ; 
agus  as  a  lanachd-san  fhuair  sinne  uile  ;  agus 
gras  air  son  grais."  Eadhon  aig  deireadh  an 
latha,  is  E  a'  dliithachadh  air  seii'bhe  a'  chroinn- 
cheusaidh,  chan  ann  mu  bhron  ach  mu  aoibh- 
neas a  tha  E  a'  labhairt  :  "  Na  nithean  so 
labhair  mi  ribhchum  gu  fanadh  moghaii'deachas 
annaibh,  agus  gu  'm  biodh  bhur  gairdeachas- 
sa  Ian." 

Teagasg  nan  Abstol 

Chan  e  atharrachadh  sgeoil  a  gheibhear  o  na 
h-abstoil.  Cluinnear  fuaim  an  aoibhneis  'n  an 
litrichean  uile.  Cha  mhor  a  dh'  f  huiling  uiread 
alabain  agus  deuchainn  ris  an  abstol  Pol  ;  ach 
air  a  shon  sin  uile,  bha  a  spiorad  neartmhor, 
buadhach,  taingeil  agus  sona  ;  agus  bha  e 
comasach  'n  a  sheann  aois  agus  'n  a  laigse  an 
teisteanas  so  a'  sgriobhadh.a  priosan  :  "  Oir  a 
ta  ar  n-amhghar  eutrom,  nach  'eil  ach  re  sealain, 
ag  oibreachadh  dhuinne  trom-chudthrom  gloire 
a  ta  ni  's  ro-anabharraich  agus  sior-mhair- 
eannach."  Tha  e  gu  trie  a'  cur  impidh  air  na 
h-eaglaisean  iad  a  blii  a'  deanamh  gairdeachais  ; 
agus  air  iomadh  duilleig,  chithear  gur  e  beatha, 
Ian,  cumhachdach,  agus  maiseach  le  toradh  an 
Spioraid,  rim  cridhe  an  abstoil  air  son  nan 
creidmheach,  gus  am  biodh  iad  fa-dheoidh  air  an 
nochdadh  coimhlionta  ann  an  Criosd. 

Foghnaidh  so  gu  bhi  a'  dearbhadh  gur  ciall 
agus  gnothuch  do  'n  t-soisgeul  a  bhi  a'  coinn- 


LANACHD  BEATHA— COMUNN  NAM  BAN-UASAL 


eachadh  ri  iarrtus  cridhe  an  duine  air  pailteas 
agus  sonas  beatha. 

Smachd  air  an  fheoil 
Air  an  laimh  eile,  tha  e  fior  gu  bheil  fein- 
aicheadh  a'  faotainn  aite  an  comh-cheangal  ri 
ordugh  na  beatha  so.  Amhuil  nach  tig  neach 
gu  brath  gu  comhliontachd  ann  an  ealain  do 
nach  toir  e  suas  e-fein  le  deadh-thoil,  dichioll 
agus  faicill,  cha  mhotha  a  gheibh  beatha 
spioradail  cothrom  air  fas  agus  neartachadh  gus 
an  cuir  duine  ciil  ris  gach  cleachdadh  fiar,  is  an 
toir  e  a  suas  e  fein  do  Chriosd.  Feumaidh  an 
fheinealachd  ain-diadhaidh  tighinn  gu  crich 
mu'n  urrainn  a'  bheatha  fhior  freumhachadh 
agus  neartachadh  anns  a'  chridhe,  agus  a  ceann 
a  thogail.  Chan  'eil  seachnadh  air  an  riaghailt 
so  ;  oir  gus  an  striochd  duine  a  thoil,  mairidh  e 
fo  bhuaidh  na  h-inntinn  fheolmhoir,  ach  an  uair 
a  tha  e  deas  gu  a  bhi  mar  a  thoiUcheas  Dia, 
toisichidh  cruthachadh  nuadh  ann  ;  bithidh  a 
nadur  uile  air  a  bheothachadh  o  'n  aird — 
aignidhean,  inntinn,  coguis,  toil — gach  ni  a  tha 
anns  an  duine  o'n  leth  a  stigh  ;  cuirear  roimhe 
gairm  ard,  eadhon  gu'm  biodh  e  an  comhnaidh 
a'  fas  ann  an  gras,  ann  an  ghocas,  agus  ann  an 
maitheas  gus  mu  dheireadh  am  bi  iomhaigh, 


Chriosd  air  a  dealbh  'n  a  spiorad  agus  'n  a 
chomhhiadair,  am  feadh  is  a  tha  e  a'  laimh- 
seachadh  gnothuich  an  t-saoghail  a  tha  a 
lathair.  Mar  sin  tha  eumhachdan  a  naduir  aig 
an  aon  am  air  am  brosnuchadh  agus  air  an 
aonadh  le  riaghailt  dhiadhaidh,  a  chum  a  bhi  'g 
an  cleachdadh  ann  an  seirbhis  a  tha  buanachdail 
do  dhuine  e-fein  agus  d'a  chomh-chreutair. 
Anns  an  t-suidheachadh  sin,  le  spiorad  grasmhor 
Chriosd  'g  a  riaghladh,  tha  mac  an  duine  a' 
sealbhachadh  tomhais  de  lanachd  na  beatha 
maireannaich  ;  agus  tha  e  air  an  t-slighe  anns 
an  ruig  e  air  an  rioghachd,  a'  chumhachd,  agus 
a'  ghloir  a  tha  ann  an  gairm  Dhe  do  gach  anam. 

Brigh  an  t-soisgeil 

Ann  an  searmonachadh  an  t-soisgeil,  tha  e 
iomchuidh  gu'm  biodh  an  teachdaire  a'  cumail 
an  comhnuidh  anns  an  amharc,  agus  mar 
chudthrom  d'  a  theachdaireachd,  am  beartas 
agus  an  lanachd  beatha  a  tha  air  an  tairgseadh 
do  na  h-uile  ann  an  losa  Criosd  ;  agus  gu'n 
teagaisgeadh  e  fein-aicheadh,  chan  ann  mar 
riaghailt  gheur  a  tha  dol  a  thoirt  bochduinn  is 
cion  air  daoine,  ach  mar  mheadhon  air  a  bhi  a' 
ruigheachd  air  ard  mhaith,ard  shaoibhreas,agus 
ard  shonas  na  beatha  shiorruidh. 


Comunn  Nam  Ban-Uasal 

Le  Eachann  Mac  Dhughaill,  an  Glaschu 
(Air  a  leantuinn) 


IS  math  a  tha  cuimhne  agam  gur  e  leabhar 
Eachdraidh  na  h-Albann,  air  a  tharruing  bho 
"  Tales  of  a  Grandfather  "  le  Ualter  Sgot, 
a  bu  leabhar-leughaidh  do  na  h-inbhich  so  a 
bha  deas  gus  an  sgoil  fhagail. 

Bha  an  sgoil  a'  fosgladh  aig  deich  uair e an  ; 
agus  an  am  an  f  huachd  bha  aig  gach  sgoilear  ri 
foid  no  da  fhoid  monadh — aon  fhear  co-dhiubh 
- — a  bhi  'na  achlais  an  am  tarruing  a  stigh  an 
dorus  :  agus  bhiodh  siiil  a'  mhaighstir-sgoil 
gle  bhiorach  air  eagal  gu'm  faigheadh  aon  a 
stigh  gun  fhoid  !  Is  math  a  tha  cuimhne  agam 
aon  mhaduinn  a  chuireadh  dhachaidh  mi  a 
dh'  iarraidh  an  fhoid  nach  d'  fhuaras  agam  a' 
mhaduinn  ud.  Cha  robh  an  t-each  againne 
gu  dhol  do'n  mhonadh  a  dh'  iarraidh  an  t-saic 
mhonadh,  agus  leis  a'  sin,  is  trie  a  bhiodh  a' 
chuil-mhonadh  gle  fhalamh,  gu  sonraichte  air 
maduinn  Di-luain,  agus,  is  e  sin  a  dh'  eirich 
dhi  a'  mhaduinn  a  bha  an  sud  !  Chan  'eil  mi 
a'  dol  a  dh'  innseadh  dhuibh  c'  aite  an  d'  fhuair 
mi  am  foid  a  bha  a'  dol  a  dheanamh  aite 
"  pass-port  "  dhomh  a  stigh  do  'n  tigh-sgoil  a' 
mhaduinn  a  bha  an  sud  ! 

Cho  luath  's  a  bhiodh  na  sgoilearan  uile  a 
stigh  bha  am  maighstir-sgoil  a'  dol  an  ceann 
iirnuigh,  ann  an  Gaidhlig,  agus  'na  dheidh 
sin  bha  leasan  Biobuill  againn,  agus  laoidhean, 
an  da  chuid  an  Gaidhlig  's  am  Beurla,  air  an 


seinn.  Is  ann  ro  annamh  a  bha  na  Sailm  againn 
'gan  seinn.  Bha  aon  ni  co-cheangailte  ris  an 
leasan  Biobuill  a  bha  an  so  a  dh'  fhaodainn 
ainmeachadh,  oir  is  ann  an  diugh,  bho'n  a 
thainig  mi  gu  ire,  co-dhiubh,  a  theann  mi  ri 
thuigsinn  cho  ro  ghasda  's  a  bha  e  gu  ar  n-eolas 
air  an  da  chanain  a  leudachadh. 

Bha  esan  no  ise  a  bhiodh  air  ceann  ard  a' 
chlas  a'  leughadh  na  ceud  earrainn,  as  a' 
Bhiobull  Ghaidhlig,  abairibh,  agus  bha  e  an 
sin  'na  dhoigh  fein  'ga  chur  ann  am  Beurla,  le 
aon  mu  seach,  is  earrann  mu  seach  gus  am  biodh 
an  caibideal,  no  na  bhiodh  air  a  ghabhail  mar 
leasan,  air  a  leughadh  uile.  An  ath  latha, 
bhiodh  a'  cheart  dhol  an  caibideal  eile  anns  a' 
Bhiobull  Bheurla.  Is  cinnteach  gu'm  bu 
doigh  so  gus  an  da  chuid  Gaidhlig  is  Beurla 
ionnsachadh  nach  bu  choir  a  bhi  air  a  dearmad, 
eadhon  an  sgoiltean  aghartach  an  latha  diugh, 
cho  math  's  'gam  faod  gach  "  modh  direach," 
"  direct  method  "  is  eile  a  bhi. 

Bhiodh  aon  greis  mhath  anns  an  sgoil  mu  'm 
faigheadh  e  de  urram  a  chur  air  's  gu'n  rachadh 
copaidh-sgriobhaidh,  peann  is  dubh  a  thoirt 
dha,  is  leigeil  leis  suidhe  aig  an  "  dasg-sgrio- 
bhaidh."  Bha  an  dasg-sgriobhaidh  so  air  fad 
an  ruma,  leth  ris  a'  bhalla-chuil,  agus 
bhiodh  ar  n-aghaidhean  ris  a'  bhalla  an  am 
teannadh  ris   an   sgriobhadh.     Is   ann   air  an 


6 


COMUNN  NAM  BAN-UASAL 


taobh  bheoil  a  bha  an  da  uinneig  a  bha  air  an 
rura,  am  mach  bho  dha  uinneig-athair,  air 
nach  fhaiceamaid  ni  ach  neoil  nan  speur,  agus 
mo  thruaighe-sa  a  bhasan-san  air  am  beireadh 
siiil  a'  mhaighstii'-sgoil  ag  caogadh  thar  a 
ghuailne  feuch  de  a  bha  a'  dol  air  aghaidh 
am  measg  a'  chorra  de'n  cliloinn,  no  an  robh  ni 
annasach  sam  bith  a'  dol  air  aghaidh  am  muigh 
air  a'  bhlar  ! 

Is  ann  air  an  sgleat  a  bhiodh  na  ceistean 
cunntais  air  an  deanamh  ;  agus  cho  luath  's  a 
bhiodh  crioch  air  na  bhiodh  ri  an  deanamh 
aig  an  am,  bha  an  sgleat  air  a  cur  air  a  beul- 
foidhpe  air  an  iirlar  mu  choinneamh  an  sgoileir. 
Bha  esan  no  ise  aig  am  biodh  an  sgleat  air 
an  iirlar  an  toiseach,  ach  a'  cheist  no  na  ceistean 
a  bhi  aige  ceart,  a'  faotainn  suas  gu  ceann 
ard  a'  chlas.  Tha  an  t-eagal  orm,  ged  tha, 
nach  robh  an  doigh  so  ro  mhath  gus  na  "  figa- 
ran  "  a  bhi  ro  shoillear  !  A  dh'  aindeoin  ciod 
an  seorsa  leabhar-cunntais  a  bhiodh  againn, 
is  e  "an  gre  "  a  their  eamaid  ris.  Is  e  gle 
bheag  aig  an  robh  fios  gu'm  b'  e  "  Gray," 
ainm  fir  a  chuir  ri  cheile  leabhar-cunntais  aig 
aon  am,  ach  a  bha  an  nis  air  a  dhi-chuimhnea- 
chadh  ach  'na  ainm  a  mhain  a  bha  an  so. 

Bha  an  dictation  air  aon  eile  de  na  leasain  a 
bu  riatanaiche.  Bha  an  clas  an  uair  sin  air  a 
thoirt  am  mach  gu  meadhoin  an  iirlair,  is 
iadsan  de  an  robh  e  air  a  dheanamh  suas  air 
an  cur  cul-ri-cul  is  affhaidh-ri-ag-haidh  mu 
seach,  a  chiim  is  nach  gabhadh  "  copaidheadh 
deanamh.  Ach  a  dh'  aindeoin  gach  ni,  bha 
an  "  copaidheadh  "  a'  dol  ;  agus  na'm  faigh- 
teadh  an  aon  "  spelladh,"  no  litreachaidh,  aig 
dithis,  is  iad  cearr,  is  docha  gur  e  basan  teotha 
a  bhiodh  aig  aon  dhiubh,  mur  bitheadh  aig  an 
dithis,  mu'n  tigeadh  crioch  air  a'  chilis  ! 

Bha  sinn  a'  faotainn  am  mach  gu  cluich  is 
cleasachd  eadar  aon  uair  is  a  dha  ;  agus  is 
iomadh  sin  seorsa  cluiche  a  bhiodh  againn. 
Na'n  teannainn  ri  an  cur  sios  an  so  a  ceann  a 
cheile,  bha  cho  math  dhomh  toiseachadh  air  a' 
cheud  thaobh-duilleig  de  leabhar  MhicLagain 
is  mo  sheol  fein  a  thoirt  seachad  air  gach 
cluich  a  tha  an  sin.  Air  chill  nan  cluichean 
abhaisteach,  mar  a  bha  iomain,  crioch-a- 
bhodaich,  cleas  nam  bonaid,  is  mar  sin  air 
aghaidh,  bha  iomairt  air  an  deathannaich 
an  am  reodhaidh^an  corr  uair  a  thigeadh  an 
giomanach  sin  rathad  an  eilein,  is  a  gheibheadh 
am  fuachd  buaidh  air  blaths  nadurra  a'  Chuain 
Shiar,  a  bha  a'  sior  bhualadh  is  a'  sior  thaom- 
adh  mu  ar  cladaichean.  Cha  bhiodh  an 
sneachd,  cho  trom  'gan  tiiirlingeadh  e  aig 
amannan,  fada  gun  leaghadh  as  fo  bhuaidh  a' 
cheart  Chuain  Shiar  ;  ach  fad  's  a  leanadh 
e  bha  feum  gun  taing  air  a  thoirt  as,  an  da 
chuid  gu  sladadh  is  deanamh  mhuc  is  bhodach 
sneachd. 

An  uair  a  bhiodh  osag  chixiin  an  t-samhraidh 


is  teas  greine  againn,  bhiodh  Traigh  Bhosta 
aig  laimh  gu  cogadh  a  dheanamh  ri  a  cuid 
stuadhan  no  sinn  fein  f halcadh  anns  na  geodha- 
chan  a  bu  chiiiine  thall  mu  Chlachan  Gorma, 
no,  an  uair  a  bhiodh  am  muir-traigh  ann, 
Sgeir  Bhosta  thall  'na  meadhoin  'gar  taladh 
gu  dhol  air  thoir  duileisg  is  ghruagan  oirre. 
Bha  sinn  a'  faotainn  ma  reir  aig  ceithir  uairean, 
agus  cho  luath  's  a  bha  "  amen  "  a'  tuiteam 
bho  bhilean  a'  mhaighstir-sgoil,  aig  deireadh 
na  h-iirnuigh  fheasgair,  bha  gach  aon  a' 
deanamh  air  an  dorus  mar  bheum-sleibhe 
'nan  aon  mheall  ;  agus  bha  e  air  a  chunntadh 
'na  urram  mor  leis-san — is  leis  a'  chorr  cuideach 
— a  gheibheadh  am  mach  an  toiseach  !  Air- 
son  gach  iipraid  a  bhiodh  againn — agus  gle 
bhitheanta  tabaid — air  an  rathad  dhachaidh, 
chan  'eil  aobhar  agam  air  sgeul  a  thoirt  dhuibh, 
oir  bha  na  nithean  sin  taobh  am  mach  de 
"  churriculum  "  (ciirsa)  na  sgoile,  mar  a 
theirear  ri  rian  foghluim  nan  sgoiltean  air  an 
la  an  diugh. 

Am  measg  gach  iomadh  latha  mor  a  bhiodh 
againn  anns  an  sgoil  so,  bha  an  latha  ud  a 
nunn  mu  dheireadh  an  t-samhraidh  am  bithe- 
antas,  an  uair  a  thigeadh  aon  de  na  mnathan 
uaisle  a  bha  air  ceann  a'  chomuinn  air  a  cuairt 
bhliadhnail.  B'i  a'  bhean-uasal  ghrinn,  Miss 
Rainy,  a  bhiodh  a'  tighinn  anns  an  am  'san 
robh  mise  anns  an  sgoil,  agus  tha  a  dealbh 
mheineil  'nam  shiiil  fathast — fior  bhean-uasal. 
Ar  learn  nach  robh  i  ro  throm  'na  cruth,  ach 
leth-char  ard  am  pearsa,  agus  fior  dhreach  na 
h-uaisle  'na  gniiis.  'Nam  bheachd-sa  an  uair 
ud,  bha  i  fein  agus  Miss  Rintoul,  a  bhiodh  a' 
toirt  cuairt  bhliadhnail  do'n  eilean  as  leth  an 
West  Coast  Mission  a'  seasamh  am  mach  uile 
gu  leir  bho  mhnathan  eile  an  domhain  !  Bha 
rud  beag  de  eagal  againn  roimh  Mhiss  Rainy, 
ged  tha,  agus  is  docha  leam  gu'n  robh  beagan 
fiamh  air  a'  mhaighstir-sgoil  agus  mar  an 
ceudna  air  a'  cheistear  roimh  an  da  mhnaoi 
choir  so,  meineil  'gan  robh  iad. 

Is  math  a  tha  cuimhne  agam  uair  de  na 
h-uaireannan  a  thainig  Miss  Rainy  gu'n  do 
chuir  am  maighstir-sgoil  sinn  uile  air  falbh 
am  mach  ris  na  h-aonaichean  a  bhuain  roide, 
agus  bha  ropannan  is  badan  de  luibh  an  deagh 
bholaidh  sin,  is  gach  pliiran  deagh-fhaile  eile 
a  thoinneamaid  'na  measg,  air  an  crochadh  ri 
ballachan  is  sparran  an  tighe-sgoil  gu  beagan 
maise  a  chur  air,  agus  is  cinnteach  gur  e  a 
dh'  fheumadh,  ged  nach  robh  sinne  'ga  thoirt 
sin  fa-near  anns  an  am  ud.  Bha  na  sparran 
gun  lobjita  fodhpa,  ballachan  loma,  is  tuill 
eadar  na  clachan  anns  am  faodadh  cait  is 
rodain  falach-fead  a  dheanamh  air  a  cheile, 
gun  dealbh  gun  ni,  ach  aona  mhap  de  mhor- 
roinn  na  h-Eorpa  an  crochadh  am  meadhoin  a' 
bhalla-chiiil.  Bha  an  t-iirlar  air  a  leagail  le 
deileachan  no  sailean  a  thainig  air  a'  chladach 


COMUNN  NAM  BAN-UASAL— BRUADAR  NEONACH 


mar  chobhartach  uair  no  uaireiginn,  cuid 
dhiubh  Ian  de  thuill  ghiiiirnean,  agus  an  sud 
's  an  so,  glomhair  mhora  eatorra  far  an  trie 
a  chaill  sinne  ar  "  pensalan,"  is  call  gun  fhao- 
tainn  on-a  ! 

Sin  agaibh  dealbh  bheag,  ach  dealbh  chear- 
bach  tha  mi  cinnteach,  air  an  sgoil  bheag  ud 
thall  air  bruaich  an  t-Sruth-fhrogaich.  Is 
iomadh  raon  ris  an  do  thog  a'  chlann  a  bha  an 
sud  an  uair  a  thainig  iad  gu  ire  cosnaidh. 
Chuir  iad  an  cath  air  monadh  is  air  cuan,  a 
bhos  an  so  is  thall  an  tirean  cein.  Tha  cuid 
dhiubh  'ga  chur  fathast  ;  tha  moran  dhiubh 
'nam  parantan,  is  cuid  'nan  seanairean  is 
'nan  seanmhairean  ;  agus,  mo  chreach  !  tha 
cuid  dhiubh  a  thuit  anns  an  strith  fo  bhuaidh 
na  h-easlaint  no  fo  bhuaidh  gach  caochladh 
sgiorraidh  do  bheil  mic  is  nigheannan  nan 
daoine  buailteach.  Bha  cuid  dhiubh  a  thuit 
eadhon    anns    a'    bhlar,    no    air   dhoigh-eiginn 


eile  fo  sgiiirsadh  a'  Chogaidh  Mhoir  ud  a 
thagair  a  chrann  fein  as  gach  cearn,  as  gach 
eilean  beag  no  mor,  as  gach  srath  is  as  gach 
gleann. 

Sin  agaibh,  mata,  aon  de  na  sgoiltean  a  bha 
fo  riaghladh  comunn  aghmhor  nam  ban-uasal 
so.  Tha  a  sgeul  fein  aig  gach  aon  dhiubh  ;  ach 
a  dh'  aindeoin  taobh  'gam  bi  orra,  tha  aon 
taobh  a  bha  coitcheann  dhoibh  uile,  taobh  a' 
mhathais  is  an  aigh,  taobh  na  h-earail  is  an 
deagh  theagaisg,  an  teagasg  a  bhiodh  gu  feum 
aimsireil  nan  daoine,  is  na  b'fhearr  uile  gu 
leir,  gu  am  feum  spioradail  is  gloir  a'  Mhaigh- 
stir  a  chuir  an  cridheachan  nam  ban-uasal 
ud  dol  a  lamhan  a  cheile  anns  a'  chomunn  so  gu 
cothrom  a  thoirt  do  chloinn  Mor-thir  is  Eileanan 
Siar  na  Gaidhealtachd  air  foghlum  sgoile 
fhaotainn  an  uair  nach  robh  ach  gle  bheag  de 
luim  no  de  dhealbh  air  an  fhoghlum  sin  fhaot- 
ainn air  sheol  sam  bith  eile. 


Bmadar  Neonach 

Le   Latimer  Mac  Aonghuis,  an  Ceann  Loch 


AN  uair  a  bha  mi  'nam  dhuine  bg  fhuair  mi 
xA-eolas  air  mnaoi-uasail  a  bha  fuireach  anns 
an  aon  bhaile  rium-se,  agus  o'n  a  bha  i  gu  math 
aonrachdach  bhithinn  a'  tadhal  oirre  a  nis  is  a 
rithist.  Bha  i  'n  a  bantraich  ;  mu  thri  fichead 
bliadhna  a  dh'aois,  agus  rugadh  i  anns  a' 
Ghaidhealtachd  agus  bha  Gaidhlig  gu  leoir  aice, 
ged  nach  robh  aig  an  am  sin  focal  Gaidhlig  'nam 
cheann-sa. 

Aon  fheasgar  a  bha  mi  am  shuidhe  maille 
rithe  aig  taobh  an  teine,  a'  bruidhinn  mu  a 
teaghlach — cia  meud  nighean  agus  ciameud  mac 
a  bha  aice,  agus  c'aite  an  robh  iad — thubhairt  i : 
Cha  robh  nighean  agam  idir,  agus  chan'eil 
mi  duilich,  oir  bha  da  nighinn  aig  mo  phiuthar 
agus  bha  iad  'n  an  aobhar  cridhe-briste  dhi 
bho  la  am  breith  gus  an  robh  iad  posda  agus  an 
deidh  sin  cuideachd.     Ach  bha  da  mhac  agam." 

"  Agus  c'aite  am  bheil  iad  ?  "    dh'fheoraich 
mi. 

Tha  an  t-aon  as  sine  ann  an  Canada  agus  'na 
dhuine  mor  an  sin,  ach  ged  a  tha  e  cho  mor 
chan  'eil  e  a'  dichuimhneachadh  a  sheana 
mhathar,  oir  tha  e  daonnan  a'  cur  pailteas 
airgid  'g  am  ionnsuidh  agus  fior  chaoibhneil 
rium." 

"  Tha  sin  gasda,"  thuirt  mi  ;   "  agus  am  fear 
eile  ;  c'aite  am  bheil  esan  ? 

'Se  sin  sgeul  mhuladach,"  thuirt  i,  agus  bron 
'na  guth.  "  Chailleadh  e  aig  muir  'nuair  nach 
robh  e  ach  'na  bhalach.  Bho  'n  toiseach  bha  a 
chridhe  riamh  'san  f  hairge  agus  bha  e  daonnan 
ag  iarraidh  bhi  air  falbh,  ach  cha  tugadh  'athair 
cead  dha.  Uist,  uist,  bhiodh  'athair  ag  radh, 
'  ni  sam  bith  ach  a'  mhuir.'  Ach  'nuair  a 
chaochail  athair  o  chionn  sia  bliadhna  deug  thug 
mi  cead  do  m'  bhalach  falbh,  agus    'nuair  a 


thainig  e  dhachaidh  an  deidh  a'  cheud  thuruis 
bha  e'na  ghille  eireachdail  sgiobalta  agus  bha 
prois  orm  d'a  thaobh.  Ma  ta,  chaidh  e  tri  no 
ceithir  de  thurusan,  agus  aig  gach  tighinn- 
dhachaidh  bha  e  na  b'  fhearaile  agus  na  b' 
fhearaile  agus  bhiodh  mo  chridhe  a'  fas  na  bu 
truime  is  na  bu  truime  aig  gach  dealachadh,  oir 
bha  mi  a'  faireachdainn  aonarach. 

"  A  mhathair  "  ars'  esan  "  gabhaidh  mi  greis 
air  tir  an  ath  uair  a  thig  mi  dhachaidh  agus 
fanaidh  mi  leibh  tri  no  ceithir  de  mhiosan  " 
Bha  rud-eigin  'n  am  shuilean  a'  cur  nam  focal 
sud  'na  bheul. 

"  Dh'  fhalbh  e  gu  cridheil  sunndach  agus  cha 
robh  mo  shuil  ri  dochann  sam  bith  dha,  B'e 
ainm  na  luinge.  An  t-Eun  Gonn,  agus  bha  i  a' 
seoladh  bho  Liverpool  gu  Portland  Oregon 
mu'n  cuairt  Cape  Horn.  Ma  ta,  cha  robh  mi, 
mar  a  thuirt  mi,  a'  smaoineachadh  air  dochann 
sam  bith  dha,  ach  aon  oidhche  mu  thri  seach- 
duinnean  an  deidh  dha  seoladh  chunnaic  mi 
bruadar — bruadar  nach  robh  cneasda. 

"  Bhi  mi  am  beachd  gu  robh  mi  a'  coiseachd 
air  taobh  a'  mhonaidh  air  maduinn  ghasda 
ghrianach.  An  toiseach  bha  mi  gu  sona  le 
milseachd  an  adhair,  ach  an  deidh  greise 
thoisich  mi  air  toirt  an  aire  gu'n  robh  rudeigin 
iongantach  is  neonach  ann  ;  bha  e  cho  soilleir, 
cho  fior  shoilleir.  Bha  na  sleibhtean  is  taobhan 
a'  mhonaidh  agus  na  beanntan  gorma  fad  air 
falbh  cho  dearrsach  glan  soilleir  's  gu'n  robh  iad 
da  rireadh  neo-thalmhaidh.  Smaoinich  mi 
rium  fhein  :  'Se  maduinn  ne5nach  a  tha  ann, 
agus  anns  a'  mhionaid  sheall  mi  suas  an  srath 
agus  an  sin,  mu  m'  choinneamh,  chunnaic  mi 
tigh  nach  fhaca  mi  riamh  an  sin  roimhe.  B'e 
tigh   mor  a  bha  ann,  geal  is   soilleir  mar   an 


8 


BRUADAR  NEONACH— URRAM  D'AN  DLIGHEAR  URRAM 


sneachd,  agus  balla  iosal  geal  a'  ruith  mu  'n 
cuairt  air.  Ach  b'e  an  culaidh-iongantais  air 
fad  a  liuthad  uinneag  's  a  bha  air  beulaibh  an 
tighe,  sreath  air  muin  sreath  o'n  lar  gu  mullach 
— 'n  a  aon  uinneagan  gu  leir,  agus  gach  te 
soillseach  is  boillsgeach  mar  gu'n  robh  gathan 
na  greine  a'  dealradh  direach  orra  ged  a  bha  a' 
ghrian  air  an  ctil.  '  Gu  cinnteach,  thuirt  mi 
rium  fhein,  tha  an  togail  so  na  's  neonaiche  na 
thogadh  riamh  le  duine,  oir  chan  'eil  dorus  no 
fosgladh  ri  fhaicinn  air  an  tigh  no  air  a'  bhalla.' 
An  sin,  gu  grad  direach  mar  gu'n  togadh 
druidh  a  shlat  dh'atharraich  an  srath  gus  an 
robh  e  'na  mhuir  ghrianach  luasgach  agus  anns 
a'  mhuir  bha  slaod-uisge  agus  air  an  t-slaod- 
uisge  'n  a  aonar  bha  mo  bhalach.  Bha  a 
shuidheachadh  neonach.  Bha  e  mar  gu'n 
tuiteadh  e  an  comhar  a  bheoil  ;  bha  a  chud- 
throm  air  a  ghairdeanan  sinte  agus  bha  'aodann 
ag  amharc  a  suas — le  gairdeachas. 

Chunnaic  mi  na  lagan-maise  'na  ghruaidhean 
agus  an  t-acair  a'  dearsadh  'n  a  Ihersey.  Ach  dh' 
fhairich  mi  gu'n  robh  rud-eigin  cearr  :  cha 
b'  urrainn  dha  eirigh  ;  agus  bha  e  daonnan  ag 
aomadh  is  ag  aomadh  a  dh'  ionnsuidh  an  tighe 
ghil  leis  na  h-uinneagan  deabach  agus  bha 
miannmor  orm  achuideachadhachcha  b'urrainn 
dhomh ;  agus  direach  mar  a  bha  na  tonnan  a' 
giiilan   an    t-slaod-uisge   suas    an    aghaidh    a' 


bhalla,  agus  mise  a'  toirt  glaodh-bais  asam, '  An 
urrainn  dha  nis  idir  eirighis  e  fhein  a  thearnadh!' 
thainig  'athair  'na  ruith  a  mach  as  an  togai' 
mhoir  ghil, — ciamar  a  fhuair  e  a  mach  cha  bl 
urrainn  dhomh  fhaicinn,  oir  bha  na  h-uile  ni  a 
thachair  iongantach  is  miorbhuileach — ^agus 
dh'  amhairc  e  gu  feargach  orm,  agus  chrom  e 
thar  a'  bhalla  iosal  agus  thog  e  am  balach  'na 
ghairdeana  ;  anns  a'  mhionaid  sin  fein  dhiiisg 
mi,  agus  mo  chridhe  a'  plosgartaich  le  eagal. 

Cha  chualas  iomradh  riamh  air  an  luing,  no 
air  an  sgioba  ;  seachduin  an  deidh  seachduin  bha 
diiil  againn  gu'n  togadh  i  ceann,  ach  chaidh  na 
seachduinnean  agus  na  miosachan  seachad  gun 
sgeul  air  an  luing,  is  mo  dheireadh  thug  mi 
suas  mo  dhochas." 

Tha  cuimhne  agam  gu'n  d'eisd  mi  ris  an 
naidheachd  so  gun  fhocal  a  thighinn  as  mo 
bheul,  agus  an  sin  bho  nach  robh  fios  agam  ro 
mhath  ciod  a  theirinn  labhair  mi  anns  na 
briathan  sin  a  bhios  daoine  a'  gnathachadh  aig 
aleithidadh' am  :  "  'Se  sin  sgeul  romhuladach: 
cha'n  iongantas  cridhe-briste  a  bhi  agad." 

"  B'ann  gu  bronach  a  bha  mi,"  arsa  ise  gu 
simplidh,  "  bha  iiine  fhada  mu'n  do  chasgadh 
mo  dheoir,  ach  mu  dheireadh  bha  mi  comasach 
a  radh.  '  Thug  an  Tighearn  uaith  agus  thug  an 
Tighearn  leis  :  beannaichte  gu  robh  ainm  an 
Tighearna.' 


lonndrainn  Pheabuill 


CHAILL  coimhthional  Pheabuill  triiiir  eil- 
deirean  bho  chionn  ghoirid  ;  Iain  Domh- 
nullach  an  Sollas  air  an  robh  iomradh  air  a 
dheanamh  cheana  anns  na  duilleagan  so  ;  Iain 
Mac  P'hearghuis  (Iain  Mac  Dhomhnuill  mar 
theirteadh  ris)  a  bha  air  cheann  na  seinn  ;  agus 
Domhnull  Diighallach,  a  bha  'n  a  eildear  fad 
iomadh  bliadhna,  an  toiseach  's  an  Eaghais 
Shaor  Aonaichte  agus  an  sin  an  Eaglais  na 
h-Alba. 

Bha  guth  cho  binn  agus  cho  reidh  aig  Iain 
Mac  Dhomhnuill  's  gu  robh  a  sheinn  'n  a 
chuideachadh  mor  do  'n  t-searmonaiche  agus 
'n  a  thaitneas  do  'n  choimhthional  a  chluinntinn. 
Bha  e  furasd  a  leantuinn  mar  phrecentor. 


Chaochail  Domhnull  Diighallach  ann  am 
Barraidh,  far  an  deachaidh  e  a  chomhnuidh  an 
deidh  d'a  mhac  a  bhi  air  a  shuidheachadh  ann 
mar  mhinistear.  Bha  e  'n  a  dhuine  caomh, 
easgaidh,  diirachdach,  gaolach  air  sith  ;  dich- 
iollach  an  da  chuid  'n  a  dhleasdanasan  aimsireil 
agus  'n  a  dhleasdanasan  spioradail.  Fliuch 
no  tioram,  fuar  no  teth,  bhiodh  e  fhein  agus 
a  theaghlach  's  an  eaglais,  Sabaid  is  seachduin  ; 
a  thaobh  ni  sam  bith  a  bhuineadh  do  shoir- 
bheachadh  a'  choimhthionail  cha  bhiodh  Domh- 
null Diighallach  air  dheireadh.  Gun  a  bhi 
leasg  ann  an  gnothuichean,  bha  e  eudmhor  agus 
diirachdach  ann  an  seirbhis  an  Tighearna,  agus 
cuimhneachail  air  iirnuigh.  D.  M. 


Urram  d'an  dlighear  urram 


THA  sinn  daonnan  toilichte  a  chluinntinn 
gu  bheil  ministearan  Gaidhealach  air  an 
cumail  air  chuimhne  le  Cleir  nan  Oil-thighean, 
agus  toilichte  gu  sonruichte  aig  an  am  so  a 
chionn  gu  bheil  Oil-thigh  Ghlaschu  a'  dol  a 
thoirt  D.D.  do'n  Urramach  Seoras  Calder  agus 
do'n  Urramach  Niall  Ros,  da  dhuine  air  a  bheil 
muinntir  na  Gaidhealtachd  gu  maith  eolach. 

Bha  an  t  -  Urramach  Seoras  Calder  a' 
teagasg  Gaidhlig  an  Oil-thigh  Ghlaschu  fad 
iomadh  bliadhna  ach  leig  e  dheth  a  dhreuchd 


an  uiridh,  is  tha  a  bhraithrean  anns  an  Oil- 
thigh  a  nis  a'  gabhail  a'  chothroim  sin  air 
D.D.  a  thoirt  dha  anns  an  dealachadh. 

Tha  an  t-Urramach  Niall  Ros  air  a  shon- 
rachadh  gus  an  t-urram  ceudna  a  bhi  air  a 
chur  air  a  chionn  gu  bheil  e  comharraichte 
am  measg  mhinistearan  eile  mar  Ghaidheal  a 
tha  eudmhor  air  taobh  cainnt  agus  ceol  a 
dhiithcha. 

Gu  ma  fada  a  mhealas  iad  le  cheile  an  onoir 
a  tha  Oil-thigh  Ghlaschu  a'  toirt  dhaibh. 


Aireamh  6 


93 


Teagasg  na  Cloinne 


'  Air  son  an  leinibh  so  rinn  mi  urmiigh  ;  agus  thug  an  Tighearn  dhomh  rn'  iarrtus  a  dli'  iarr  mi  air :  uime 
sin  thug  mi  seachad  qu  saor  e  do'n  Tighearn :  re  uile  laithean  a  hheatha  thugadh  seachad  e  do'n  Tighearn." 
—1  Samuel,  i.  27-28. 


THA  an  t-ainm  Hanah  a'  ciallachadh  maise 
no  gras,  ach  ged  nach  freagradh  an  t-ainm 
sin  air  a  h-uile  te  bha  e  anabarrach  freagarrach 
do  mhathair  Shamueil,  oir  bha  maise  an  Tigh- 
earn oirre  fein  agus  air  a  teaghlach,  agus  bha 
gras  Dhe  'n  a  cridhe. 

M'  an  do  rugadh  Samuel  dh'  fhuiling  i  cradh 
anama  fad  bWiadhnachan  a  chionn  nach  robh 
duine  cloinne  aice,  ach  chuir  sin  air  a  gluinean 
i  agus  thug  e  na  bu  dluithe  i  do  Dhia.  As  na 
doimhneachdan  ghlaodh  i  ri  Dia  ;  dh'  eisd 
Dia  ri  h-iirnuigh  is  thug  e  dhi  a  guidhe. 

Ach  cha  do  sguir  Hanah  a  dh'  iirnuigh 
an  uair  a  thug  Dia  leanabh  mic  dhi  ;  lean 
i  air  iirnuigh  air  a  shon,  is  choisrig  i  e  do 
sheirbhis  Dhe  bho  laithean  'oige.  B'e  a 
diirachd  agus  a  h-iirnuigh  daonnan  gu'n 
deanadh  a  mac  seirbhis  do  Dhia  'n  a  theampull 
naomh. 

Dh'  fhaodadh  Samuel  a  radh  m'a  mhathair 
mar  a  thubhairt  Augustine  m'a  mhathair  fein, 
gu  robh  a  h-iirnuighean  'n  an  saighdean  'n  a 
chridhe.  Theab  Augustine  cridhe  a  mhathar 
a  bhriseadh  leis  cho  amaideach  's  a  bha  e, 
eadar  seachd  bliadhna  deug  is  deich  bliadhna 
fichead.  Bhiodh  i  a'  guidhe  air  daoine  eile 
bruidhinn  ris  is  comhairle  a  thoirt  air;  ghuidh 
i  air  Easbuig  araidh  feuchainn  r'a  sheachrana 
a  dhearbhadh  air  a  mac.  Cha  bu  toigh  leis 
an  duine  sin  an  dleasdauas  a  ghabhail  os 
laimh,  ach  an  uair  a  ghuidh  's  a  ghuidh  i  air 
le  deoir  thubhairt  e  rithe,  "  Imich  a  bhean  ann 
an  sith,  air  sgath  t'  athchuingean  fein  chan 
fhaod  do  mhac  a  bhi  air  a  chall."  M'an  d' 
fhag  Monica  an  saoghal  chunnaic  i  a  mac  air 
iompachadh,  is  bha  i  sona. 

Ach  cha  do  thuit  Samuel  riamh  ann  an  droch 
shlighean  ;  choimhead  e  na  h-aitheantan  o 
'oige.  Cha  b'  aithne  dha  'n  a  bheatha  fein 
a  leithid  de  fhiosrachadh  'sab'  aithne  do  Phol 
agus  do  Augustine  agus  do  Iain  Bunyan, 
daoine  a  bha  cogadh  i-i  spiorad  an  Tighearna 
ann  an  tiis  an  toiseachaidh,  agus  a  b'  fheudar 
an  inntinn  agus  an  coluadar  atharrachadh  an 
uair  a  chreid  iad  an  soisgeul.  Ach  chan  e  an 
aon  doigh  a  tha  aig  Dia  air  a  h-uile  duine  a 
thoirt  a  steach  d'a  rioghachd  ;  tha  cuid  a'  dol 
a  steach  trath,  is  cuid  anmoch  ;  cuid  anns  a' 
mhaduinn,  cuid  air  a'  mheadhon-la,  is  cuid 
anns  an  fheasgar.  Ach  is  e  a'  mhaduinn  an 
t-am  is  fearr  ;   an  uair  a  tha  an  cridhe  6g  agus 


a'  choguis  maoth,  agus  an  fhuil  blath — sin 
an  t-am  ceart  air  ar  seirbhis  a  thoirt  do  Dhia. 
Chan  'eil  ann  an  aithreachas-criche  ach  a  bhi 
cur  sil  aig  an  Fheill  Martainn.  B'urrainn  do 
Iain  Wesley  an  uair  agus  a  mhionaid  innseadh 
anns  an  deachaidh  iompachadh  ;  "  aig  ceath- 
ramh  roimh  naoi  's  a'  mhaduinn  air  a'  cheath- 
ramh  la  fichead  de  Mhai."  Ach  bha  Samuel 
de  aireamh  nan  daoine  sona  sin  a  tha  fas  suas 
ann  an  rioghachd  Dhe  bho  laithean  an  leana- 
bachd,  agus  aig  nach  'eil  cuimhne  c'  uin  a 
thug  iad  an  cridheachan  an  toiseach  do  Dhia. 

Cia  sona  'ra  ti  do  theagasg  DM  ! 
Bheir  eisdeachd  gach  aon  uair  ;  . 
'5  ri  gliocas  neimh,  le  mbran  tlachd, 
Philleas  gu  moch  a  chluas. 

Gle  thric  tha  e  a'  tachairt  gu  bheil  daoine  a 
bha  peacach  is  ain-diadhaidh  os  cionn  chaich 
'n  an  oige,  ach  a  bha  air  an  iompachadh, 
anabarrach  eudmhor  air  taobh  an  Tighearna, 
agus  laidir  is  soilleir  'n  an  creideamh.  Ach  air 
a  shon  sin  tha  mi  an  duil,  na'm  faigheadh 
mathraichean  an  roghainn,  gu'm  b'  fhearr 
leo  am  mic  a  bhi  coltach  ri  Samuel  seach  a  bhi 
coltach  ri  Augustine.  Ach  ma  b'  fhearr  leo 
sin,  feumaidh  iad  iiine  is  ciiram  is  dragh  a 
ghabhail  air  am  mic  a  thogail  agus  oileana- 
chadh  mar  a  thog  Hanah  a  mac  fein. 

Ma  dh'  fheoraicheas  mathair  air  bith  ciamar 
a  choisneas  i  a  mic  do  Dhia  bho  'n  oige,  so  a 
their  mise  rithe,  Bi  thusa  thu  fein  mar  Hanah 
agus  ni  Dia  do  chlann  mar  Shamuel.  A 
mach  o  ghras  Dhe,  dh'  fhaodadh  Samuel  am 
buidheachas  a  thoirt  d'a  mhathair  uile  gu  leir 
gu  robh  e  an  ni  a  bha  e. 

I.  Thog  i  e  anns  a'  chreideamh  gu'm  bu 
tiodhlac  o  Dhia  e.  Fhuair  Samuel  am  beachd 
sin  o  mhathair  agus  chreid  e  e,  ach  cha  b' 
urrainn  i  a  thoirt  airsan  a  chreidsinn  mur 
biodh  i  'g  a  chreidsinn  i  fein.  Bha  i  'g  a  chreid- 
sinn, le  a  h-uile  chridhe,  a'  creidsinn  gu'n 
d'  eisd  Dia  r'a  h-iirnuighean  agus  gu'n  d'  thug 
e  dhi  mac  a  chum  gu'n  oileanaicheadh  i  e  air 
son  seirbhis  a  thighe  fein.  Tha  clann  anabar- 
rach geur  gus  a  thuigsinn  ciod  a  tha  aig  am 
parantan  's  an  amharc  dhaibh,  agus  gaolach 
cuideachd  air  am  parantan  a  thoileachadh, 
agus  mar  sin  bha  inntinn  a'  bhalaich  so  air  a 
cleachdadh  riamh  ris  an  smuain  gu  robh  e  air 


'2 


TEAGASG  NA  CLOINNE 


a  shonrachadh  a  mach  aii-  son  na  ministreal- 
achd,  agus  naomhaich  an  smuain  sin  a  chridhe 
agus  a  bheatha. 

II.  Chuir  i  air  chiiram  Eli  e  'n  a  phaisde  los 
gu'm  biodh  e  air  a  theagasg  ann  an  eolas  na 
firinn  gu  coimhlionta.  A  h-uile  bliadhna 
bhiodh  i  fein  a'  dol  suas  gu  Shiloh  'g  a  amharc, 
agus  a  thoirt  dha  falluinn  a  rinn  i  dha.  B' 
abhaist  do  shearmonaiche  ainmeil  a  bhi  ag 
innseadh  na  ,  naidheachd  so  m'a  mhathair 
fein  ;  an  uair  a  bha  e  'n  a  bhalach  cha  robh 
e  idir  toigheach  air  dol  do'n  sgoil  Shabaid,  ach 
bheireadh  i  air  laimh  air  agus  cha  dealaicheadh 
i  ris  gus  an  liiibhradh  i  seachad  e  aig  dorus  na 
h-eaglais,  ag  radh  amis  an  dealachadh,  "  Chan 
urrainn  mise  do  dheanamh  diadhaidh,  air  neo 
dheanainn  sin,  ach  cuiridh  mi  thu  do'n  aite 
anns  an  coltaiche  gu'm  faigh  thu  gras." 

Sud  boirionnach  a  bha  riaghladh  a  teagh- 
laich  gu  teann  smachdail,  ach  cia  meud  athair 
no  mathair  a  ghabhadh  an  dragh  an  diugh  dol 
leth-mhile  le  aon  d'  an  cloinn  'g  an  liubhairt 
do'n  sgoil  Shabaid  ?  Tha  e  air  f  hag  ail  aig  a' 
chloinn  a  radh  co  dhiu  a  theid  no  nach  teid 
iad  do'n  eaglais  no  do'n  sgoil  Shabaid,  agus  na 
parantan  gun  de  sgoinn  aca  na  smachdaicheas 
iad  ma  dhiiiltas  iad.  Cha  bhitheanta  le  clann 
fulang  a  chionn  nach  'eil  gaol  aig  am  parantan 
orra,  ach  is  bitheanta  leo  fulang  a  chionn  gu 
bheil  am  parantan  gun  sgoinn.  Chan  e  cion 
gaoil  is  coireach  gu  bheil  uiread  cloinne  a' 
fas  suas  gun  bhi  air  an  teagasg  gu  ceart  anns  a' 
Chreideamh  Chriosduidh,  ach  cion  nach  'eil 
sgoinn  no  faidhdinn  aig  am  parantan,  agus 
nach  gabh  iad  iiine  no  ciiram  no  dragh  an 
teagasg  mar  bu  choir  dhaibh. 

III.  Bha  fhios  aig  Samuel  o  bha  e  'n  a 
leanabh  gu  robh  cridhe  a  mhathar  suidhichte 
air  e  bhi  'n  a  shagart  agus  'n  a  sheirbhiseach 
do  Dhia,  agus  mar  sin  bha  a  ghaol  's  a  dhleas- 
danas  d'a  mhathair  'g  a  tharruing  air  an  aon 
cheum  r'a  ghaol  's  a  dhleasdanas  do  Dhia. 
Chan  e  mhain  gu'n  tuig  clann  smuaintean  am 
parantan  an  uair  a  bhruidhneas  iad  riu,  ach 
tuigidh  iad  iad  an  uair  nach  bruidhinn  iad  idir  ; 
leughaidh  iad  smuaintean  diomhair  an  cridhe, 
agus  is  e  na  smuaintean  sin  an  fheadhainn 
aig  a  bheil  a'  bhuaidh  as  mo  orra.  Ged  nach 
h-abradh  a  pharantan  aon  fhacal  ris,  is  aithne 
do  bhalach  gu  maith  gu  de  a  bu  mho  a  bheir- 
eadh dhaibh  briseadh-diiil  d'a  thaobh,  no  a  bu 
mho  a  chuir  eadh  car  raid  orra  ;  is  leir  dha  an 
e  a  bu  mhaith  leo  f  haicinn  ann  gleusdachd  na 
marsantachd  seach  spiorad  na  diadhaidheachd. 
Ma  chi  e  gu'm  bu  ghasda  leo  gu'n  deanadh  e 
airgiod  agus  gu'm  faigheadh  e  air  thoiseach 
air  balaich  eile  anns  an  t-saoghal,  no  ma  chi 
e  gu  bheil  am  barrachd  meas  aca  'n  an  cridhe 
air  ghocas  na  nathrach  na  tha  aca  air  neo- 
lochdas  a'  chalumain,  cha  ruig  iad  a  leas  dixil 


a  bhi  aca  gu'n  toir  e  moran  aire  do  na  comh- 
airlean  crabhach  a  bhios  iad  a  toirt  dha,  air 
sgath  an  fhasain.  Ma  chi  clann  gu  bheil  am 
parantan  gun  suim  do  'n  eaglais  no  do  dhiadh- 
aidheachd,  ach  furachail  a  thaobh  an  t- 
saoghail  agus  malairt  an  t-saoghail,  tha  e 
nadurra  dhaibh  a  shaoilsinn  nach  'eil  e  mar 
fhiachaibh  orra  rioghachd  Dhe  iarraidh  air 
tiis. 


Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  seancha-as  ris 
ministear  eile  mu  theagasg  na  cloinne,  agus 
bha  esan  de'n  bheachd  nach  'eil  parantan 
comasach  air  an  teaghlaichean  a  theagasg, 
agus  thubhairt  e  gu'm  biodh  ciiisean  na  b' 
fhearr  na  'm  fagadh  iad  an  dleasdanas  sin  uile 
gu  leir  aig  na  maighstirean-sgoile,  daoine  a  tha 
air  an  ionnsachadh  air  teagasg.  Bha  e  de'n 
bheachd  gu  bheil  moran  de'n  obair  a  tha  air  a 
deanamh  anns  na  sgoilean — Sabaid  a  cheart 
cho  tuathal  agus  cho  beag  tairbhe  ri  teagasg 
nam  parantan  fein,  agus  cha  leigeadh  e  a 
steach  annta  fear  no  te  mur  robh  iad  air  an 
ionnsachadh  air  clann  a  theagasg.  Ach  cha 
d'  aontaich  mi  leis  an  duine  idir.  Coltach  ris 
a'  chorr  de  na  daoine  nach  h-urrainn  dol  air 
each  gun  dol  thairis  air  bha  mo  charaid  ag 
ardachadh  na  h-acfhuinn  os  cionn  an  duine  a 
tha  'g  a  laimhseachadh.  Sin  mearachd  as 
mo  a  chithear  an  diugh  ann  an  sgoilean  na 
diithcha  ;  acfhuinn  air  a'  cur  os  cionn  an  duine. 
Ach  is  mo  an  duine  na'n  acfhuinn,  agus  is  mo 
an  spiorad  beo  na  riaghailtean  paipeir.  Cha 
chuir  duine  tiirail  air  bith  ordugh  is  riaghailt  is 
ealadhain  an  suarrachas  ;  tha  iad  cho  feumail 
ann  an  teagasg  's  a  tha  iad  ann  an  rud  air  bith 
eile,  ach  tha  aon  rud  is  mo  agus  is  cumhachd- 
aiche  na  iad  uile,  agus  is  e  sin  spiorad  bed  a?i 
duine  a  tha  air  an  ciil.  An  duine  a  b'  fhearr 
a  chunnaic  mi  riamh  a'  seasamh  ann  an  sgoil- 
Shabaid  am  measg  cloinne,  cha  b'e  maighstir- 
sgoile  a  bha  ann  ach  clachair  ;  theagamh  gu'n 
abradh  luchd  na  h-ealadhain  nach  b'  aithne 
dha  teagasg  agus  nach  robh  na  doighean  a 
bha  aige  ceart.  Ach  mur  robh,  bha  e  'n  a 
dhuine  gaolach  agus  'n  a  dhuine  iriosal,  agus 
cha  do  shuidh  balach  riamh  laimh  ris  nach  do 
mhothaich  rud  beag  air  choreigin  de  mhaise 
na  diadhaidheachd  ann,  agus  nach  d'  fhairich 
gur  e  eagal  an  Tighearna  tiis  a'  ghliocais.  Mur 
fairich  clann  sin,  agus  mur  fairich  iad  gur  h-e 
firinn,  is  ceartas,  is  irioslachd,  is  coibhneas,  is 
gradh,  na  nithean  as  ion-mhiannaichte  anns  an 
t-saoghal,  chan  'eil  an  teagasg  a'  deanamh 
maith  air  bith  dhaibh.  Chan  e  daoine  a 
dhinneas  cinn  na  cloinne  le  fiosrachadh  mu'n 
t-sionagog  no  mu  Ghehasi  a  tha  dhith  oirnn 
anns  an  sgoil-Shabaid  ach  daoine  air  a  bheil 
eagal  an  Tighearna  iad  fein,  agus  aig  a  bheil 
dian  iarrtus  air  a'  chloinn  a  thaladh  ffu  Criosd 


TEAGASG  NA  CLOINNE— LITRICHEAN  AS  A'  GHLEANN 


a 


agus  gu  seirbhis  a  rioghachd  ;  daoine  a  tha  iad 
fein  cho  Criosdail  'n  an  cainnt  agus  'n  an  caith- 
eamh  -  beatha  's  gu'n  cuir  iad  bias  niaith 
air  an  diadhaidheachd  do'n  chloinn.  Gheibhear 
an  seorsa  sin  cho  bitheanta  ann  an  aitean  eile 
's  a  gheibhear  iad  am  measg  'n  am  maighstirean- 
sgoile. 

Sin  an  teagasg  tarbhach,  an  fhaireaehduinn 
so  a  dhiisgadh  ann  an  cridheachan  na  cloinne 
gu  bheil  thu  a'  smuaineachadh  air  cor  an 
anama  a  cheart  cho  mhaith  's  a  tha  thu  a' 
smuaineachadh  air  an  aodach,  no  air  am  brogan, 


no  air  an  aran  lathail  a  chosnadh.  B'  fhearr 
dhuit  fada  cian  iirnuigh  ghagach  a  dheanamh 
maille  ri  d'  chloinn  seach  gu'n  rachadh  aon  la 
seachad  gun  maitheas  Dhe  a  bhi  air  aideachadh 
leat  agus  gun  a  bheannachd  a  bhi  air  iarraidh. 
Ma  thug  Dia  clann  dhuit  thug  e  dhuit  a' 
bheannachd  as  priseile  as  urrainn  e  a  thoirt 
do  charaid  phosda,  ach  cuimhnich  gur  h-e 
do  dhleasdanas  an  togail  agus  an  teagasg  air 
son  a  sheirbhis  fein.  Cuimhnich  air  Hanah, 
agus  dean  thusa  mar  an  ceudna,  agus  theag- 
amh  gu'm  bi  Samuel  agad  ann  ad  theaarhlach. 


Litrichean  as  a'  Ghleann 


Leis  an  Urhamach  Niall  Ros,  B.D.,  Cill-mo-Rubha  an  Ile 


rpHA  an  gleann  as  boidhche  ann  an  lie  mu 
JL  thri  mile  bho  'n  tigh  agam.  Chan  'eil 
moran  sluaigh  a'  fuireach  ann  a  nis,  agus  tha 
am  beaoan  a  tha  ann  a'  dol  an  lughad  o  bhliadh- 
na  gu  bliadhna.  Ach  tha  cuimhne  mhath  aig 
feadhainn  a  tha  beo  fhathast  air  Gleann 
Mhuiledreagh  a  bhi  Ian  sluaigh,  aireamh 
mhor  dhiubh  a'  cur  seachad  am  beatha  far  an 
deachaidh  an  arach,  a'  toirt  an  teachd-an-tir 
as  an  talamh,  a'  togail  theaghlaichean  fallain 
dreachmhor  ;  cuid  eile  dol  do  'n  Ghalldachd  no 
do  thirean  cein  far  am  biodh  gradh  chairdean 
no  ainm  fortain  'g  an  tarruing. 

Am  measg  na  muinntir  a  bha  gabhail  comh- 
nuidh  amis  a'  Ghleann  o  chionn  corr  is  ceud 
bliadhna  bha  Domhnall  Mac  Mhathain  aig 
an  robh  earrann  de  bhaile  fearainn  Chaona- 
gairigh  air  taobh  ard  a'  Ghlinne.  Bha  e  'na 
chleachdadh  aige  bhi  sgriobbadh  gu  caraid 
ann  an  Glaschu  an  drasd  's  a  i  ithis  agus  lean 
na  litrichean  air  dol  is  tighinn  o'n  bhliadhna 
1838  gu  ceud  mhios  a'  gheamhraidh,  1841, 
'nuair  a  chuir  bas  Mhic  Mhathain  stad  orra. 
Air  an  t-seachdamh  la  de  'n  mhios  sin  chaidh 
e  fhein  is  triiiir  eile  a  ghearradh  fiodha  air  son 
shiiirsdean  do  Ghleann  Phroaigann  an  sgireachd 
Chill-Daltainn.  Thainig  trom  shneachd  trath 
anns  an  la.  Rinn  an  t-each  a  bha  leo  a  rathad 
dhachaidh  agus  b'e  sin  a  thug  a'  cheud  chais- 
meachd  do  mhuinntir  a'  Ghlinne  gu'n  robh 
ni-eiginn  cearr.  Thog  iad  a  mach  agus  fhuair 
iad  na  ceithir  fir  marbh  anns  an  t-sneachd. 
Chan  'eil  ro  fhada  o  na  chaochail  bean  anns  a' 
choimhearsnachd  aig  aois  ceud  bliadhna  's  a 
dha  aig  an  robh  cuimhne  mhath  air  na  ceithir 
chuirp  fhaicinn  air  an  giiilan  dhachaidh  air 
lunnan,  agus  beagan  an  deidh  sin  air  an  giiilan 
fear  an  deidh  fir,  gu  seana  chladh  Chill-mo- 
Rubha  far  a  bheil  a'  chuid  mhor  de  shluagh  an 
aite  'n  an  laighe. 

Bha  meas  mor  aig  a'  charaid  air  Mac- 
Mhathain.     Ghleidh  e  na  litrichean   a  fhuair 


e  uaith  agus  chlo-bhuail  e  iad  ann  an  1854. 
Faodar  a  bhi  cinnteach  nach  'eil  moran  de 
na  leabhrain  bheaga  an  lathair  a  nis  ach 
thachair  dhomh  greim  a  dheanamh  air  fear 
dhiubh,  agus  anns  a'  chuid  eile  de  'n  t-seanachas 
bidh  e  cho  math  leigeadh  le  Mac  Mhathain 
fhein  bruidhinn  mar  as  trice  ach  a  mhain 
far  am  bi  feum  air  solus  a  chur  air  cuid 
de  na  gnothaichean  air  a  bheil  e  deanamh 
iomraidh. 

Anns  a'  cheud  litir  tha  Mac  Mhathain  ag 
innseadh  d'a  charaid  mar  a  shaothraich  gras 
Dhe  air  an  toiseach.  Chaill  e  triuir  leanaban 
gu  h-athghearr  an  deidh  a  cheile,  agus,  an 
aite  bhi  air  a  chruadhachadh  leis  na  buillean, 
's  ann  a  bha  iad  'n  am  meadhon  an  aithreachais 
dha  do  nach  gabhar  aithreachas.  "  Tha  mi 
gu  saor  ag  aideachadh  dhuit,"  tha  e  ag  radh, 
"  gu'n  robh  mi  air  mo  chur  mu'n  cuairt  tre 
laigse  na  feola  ach  air  dhomh  sealltuinn  air  a' 
chilis  ann  an  solus  a  b'  airde  chunnaic  mi  gu 
soilleir  gu  'n  robh  mo  chridhe  air  choigrich  o 
Dhia.  'S  ann  's  an  uair  sin  a  mhothaich  mi 
cho  ro-pheacach  's  a  tha  am  peacadh.  Rinn 
mi  an  sin  Dia  a  mholadh  air  son  a  choibhnis 
gu  'n  d'  rinn  e  ni  a  bha  mise  a'  meas  'na 
amhghar  'na  mheadhon  air  m'  aire  a  thogail  o 
dhiomhanasan  diombuan  tim  gu  smaointea- 
chadh  maireannach  air  mo  shlainte  shiorr- 
uidh  agus  gu  Criosd  a  dhliith-leantuinn  mar 
m'  fhasffadh  affus  mo  thearmunn.  'S  ann  a 
nis  a  bu  ro-  mhiannach  leam  do  chuideachd 
oir,  mar  as  math  a  tha  fios  agad,  chan  'eil  ann 
an  so  ach  aite  lom  far  nach  'eil  eadhon  a 
h-aon  agam  ris  an  ciim  mi  cuideachd  ach  tha 
na  Sgriobturan  dhomh  'n  an  tobar  sonais  air 
nach  'eil  traoghadh  sam  bith." 

Mar  a  tha  fios  aig  leughadairean  eachdraidh 
na  h-Eaglais  b'  e  so  am  Cath-nan-Deich- 
Bliadhna,  a  thainig  gu  ceann  ann  an  1843. 
Mu'n  do  thoisich  Mac  Mhathain  air  sgriobh- 
adh    bha    an    Cath    anns    gach    oisein    de     'n 


LITRICHEAN  AS  A'  GHLEANN 


rioghachd  agus  bha  mhiann  air  a'  cheisd  a  bha 
togail  na  comhstri  a  rannsachadh  a  mach.  Anns 
a'  cheud  litir  tha  e  ag  radh  gu  'm  biodh  e  an 
comain  a  charaid  na'  n  toireadh  e  dha  a  bheachd 
fein  air  a'  chiiis  a  chionn  nach  robh  e  air  son 
tighinn  gu  co-dhunadh  air  bith  tuilleadh  is 
cabhagach. 

Cadal  na  h-eaglais 

Anns  an  ath  litir  tha  e  toirt  buidheachais 
seachad.  "  Mar  a  tha  fhios  agad,"  tha  e  a' 
sgriobhadh,  "  bha  taobh  agam  riamh  ri  Eaglais 
na  h-Alba.  .  .  .  Tha  mi  an  dochas  gu  'm 
bheil  fhathast  am  measg  a  h-iirach  moran  de 
fhior  luchd-leanmhuinn  losa  Criosd  agus 
aireamh  mhinistirean  a  tha  ri  saothair  gu 
dileas  a  chum  an  leisgein  a  dhiisgadh  as  a 
shuain.  Am  measg  na  h-aireamh  sin  tha  mi 
a'  cur  Mghr  Pearson,  Cill-mheanaidh.  Chan 
'eil  fhios  agam  gu  de  dh'  eirich  do  mhuinntir 
eile  ach  fhuair  mise  fuasgladh  agus  comh- 
fhurtachd  bho  eisdeachd.  ...  A  charaid 
ghradhaich,  tha  a  bhi  smaointeachadh  nach 
gabh  slainte  faotainn  ann  an  Eaglais  Shasunn 
no  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  no  ann  an  eaglais 
Dhiithchasaich  sam  bith  neo-sgriobturail  agus 
cha  mhor  nach  'eil  mi  ag  radh,  cunnartach. 
'  Anns  gach  uile  chinneach  a  ta  an  neach  air 
am  bheil  eagal-san  agus  a  ta  'g  oibreachadh 
fireantachd  taitneach  aige  '." 

"  Am  faod  sinn  teagamh  a  chur  ann  an 
diadhachd  dhaoine  coltach  ri  Newton,  no 
Harvey,  no  iomadh  ainm  urramach  eile  .'' 
Tha  mi  'g  innseadh  gu  saor  nach  d'  rinn  mi 
suas  m'  inntinn  fhathast.  Tha  mi  an  so  an 
aite  cho  iomallach  's  nach  'eil  moran  choth- 
roman  agam  air  luchd-teagaisg  nach  buin 
do  'n  Eaglais  a  chluinntinn.  Tha  Mghr 
Mac  Labhrainn  cho  fad  air  falbh.  Tha 
Baistich  a'  tighinn  an  radhad  gu  cunbhalach 
ach  tha  mi  a'  meas  am  beachdan  an  aghaidh 
baisteadh  nan  leanaban  mearachdach.  .  .  . 
Chan  'eil  iiine  agam  dad  a  sgriobhadh  mu 
m'  fhaireachadh  fein  mar  bu  mhath  leam  ach 
tha  mi  a'  socrachadh  air  Criosd  'na  aonar  air 
son  slainte." 

Eaglais  is  Staid 

Ann  an  litir  eile  tha  Mac  Mhathain  a'  toirt 
lamh  air  a'  cheisd  so  as  iir.  "Tha  a  leithid 
air  a  labhairt  air  da  thaobh  ciiis  na  h-Eaglais 
an  drasd  's  nach  'eil  e  soirbh  barail  sheasmhach 
a  thoirt  seachad.  Bha  mi  'n  comhnuidh  de 
'n  bharail  gu  'm  milleadh  Patronage  Eaglais  na 
h-Alba  ach  is  gann  a  tha  cothrom  air  an  Achd 
a  bhriseadh.  Ma  bhios  Patronage  air  a  thoirt 
hho  na  h-uachdarain  agus  do  'n  Chleir  is  gann 
a  bhios  an  gnothach  dad  na's  fhearr.  Bu 
choir  sochair-taghaidh  mhinistirean  a  bhi  aig 
an  luchd-comanachaidh  agus  saorsa  bhi  aig 
Dissenters  bho  uallach  no  ceangal  sam  bith  o'  m 


faod  iad  a  bhi  fulang.  Tha  fhios  agam  gu  'n 
abair  thu  nach  bu  choir  ceangal  sam  bith  a  bhi 
eadar  an  Eaglais  agus  an  Staid  ach  gu  'm  bu 
choir  do  gach  aidmheil  am  ministirean  fhein 
a  thaghadh  's  a  phaigheadh.  Ach  smaointich, 
a  charaid  chaoimh,  de  dh'  eireadh  a  mach  a 
laghannan  cabhagach  de  'n  t-seorsa  sin. 
Bheireadh  iad,  car  iiine  co  dhiu,  tiugh  dhor- 
chadas  air  a'  chuid  as  mo  de  sgireachdan  Alba 
a  chionn  nach  biodh  iad  comasach  no  deonach 
gu  leoir  airgiod  a  thogail  gu  ministirean  a 
chumail  suas.  Ged  a  dheanadh  Dissenters 
na  tha  'n  an  comas  air  an  t-soisgeul  a  shear- 
monachadh,  gidheadh  bheireadh  an  sluagh 
neo-iompaichte,  saor  o  stamhnadh  is  laghannan 
is  cinn-iuil  na  h-Eaglais,  srian  fhuasgailte  d' 
an  ana-miannan.     Smaointich  air  an  toradh  !  " 

Gaol  leabhraichean 
Bha  aon  ni  a  bhiodh  Mac  Mhathain  a' 
sparradh  gun  sgur  air  a  charaid,  leabhraichean 
a  chur  thuige.  Tha  am  posta  a  nis  a'  giiilan 
leabhraichean  de  gach  seorsa  a  h-uile  feasgar. 
Tha  na  paipearan-maidne  air  an  toirt  trath 
de  'n  la  mar  uidhe  thri  mile  do  larach  tighe 
Mhic  Mathain  leis  an  t-soitheach  adhair. 
Ach  's  an  am  ud  cha  robh  posta  a'  tighinn  ach 
uair  anns  a'  cheithir-la-deug.  Cha  toireadh 
e  leis  anns  a'  mhaileid  ni  na  bu  truime  na 
paipear-naidheachd  is  litir  a  chosdadh  le  cheile 
eadar  faradh  is  pris  faisg  air  leth-chrun. 
Cha  robh  doigh  air  leabhar  fhaighinn  ach  an 
uair  a  thigeadh  caraid  as  a'  Ghalldachd  a 
bheireadh  leis  iad  anns  a'  chiste,  agus  sin  mar 
a  bha  iad  a'  tighinn  gu  Mac  Mhathain.  "  Thug 
do  bhrathair,"  tha  e  ag  radh,  "  thugam  da 
leabhar,"  Paipeirean  Stuamachd  agus  oran 
da  'n  ainm  "  an  Ais-eirigh."  "  Fhuair  mi  na 
leabhraichean,"  tha  e  ag  radh  ann  an  aite 
eile,  "  agus  leugh  mi  Sahaid  an  duine  hhochd  gun 
dail.  Tha  e  cortach  ri  Oidhche  Shathurna  a' 
Choiteir,  agus  chan  'eil  e  comasach  do  neach 
air  bith  am  meas  freagarrach  a  chur  air  na 
nithean  air  am  bheil  na  baird  a'  bruidhinn  ach 
neach  a  chunnaie  iad  'na  dhachaidh  fhein. 
Nach  tlachdmhor  an  fhearas-chuideachd  a  tha 
ann  an  oibribh  brioghmhor  coltach  riutha  sud 
ach,  gidheadh,  o  na  nithean  neo-chiontach  ud 
tha  cuingead  cuid  'g  ar  dimadh  a  mach.  '  Tha 
mise,  arsa  neach,'  '  an  deidh  gach  leabhar  a 
bha  agam  ach  a  h-aon  a  thilgeadh  a  mach. 
Dean  thusa  an  ni  ceudna  agus  bi  glic'  ...  Is  e 
am  Biobull  tiodhlac  iomlan  Dhe  dhuinn  a 
dh'  ionnsuidh  a'  bhaile  neamhaidh  agus  chan 
urrainn  sinn  a  bhi  diirachdach  gu  leoir  ann  a 
bhi  rannsachadh  a  bhriathran  naomha.  Ach 
a  dh'  aindeoin  sin  tha  mi  de  'n  bheachd  gu  'm 
b'  fheairrd  gach  duine  bg  a  bhi  leughadh 
chan  e  mhain  leabhraichean  diadhachd  ach 
mar  an  ceudna  seann  eachdraidh  agus  each- 
draidh  ar  latha  fein  agus  sgriobhadh  dhaoine 


LITRICHEAN  AS  A'  GHLEANN 


mor-inntinneach.  Chan  'eil  ann  an  novels  ach 
leughadh  neo-tharbhach  agus  air  leabhraichean 
a  tha  a'  cur  an  aghaidh  a  chreideamh  tha  grain 
aig  m'  anam.  '  Tha  cuid  de  leabhraichean,' 
arsa  duine  ainmeil,  '  air  am  faod  thu  blasad, 
cuid  eile  a  ghabhas  slugadh  agus  beagan  a 
dh'  fhaodas  tu  chagnadh  agus  a  chuamh.'  " 

Tha  annas  air  cuid  an  diugh  gu  'n  cuireadh 
daoine  iad  fhein  mu  'n  cuairt  air  son  eolais 
'nuair  a  dh'  fhaodadh  iad  an  gnothach  a  dhea- 
namh  math  gu  leoir  as  aonais.  Tha  e  a'  cur 
iongantais  air  moran  eile  a  chaidh  a  thogail 
air  uirsgeulan  Uilleam  le  Queux  agus  pacarras 
de  'n  t-seorsa  sin  ciamar  a  bha  Mac  Mhathain 
agus  a  leithid  beo  far  nach  gabhadh  leabh- 
raichean a'  chiiil-bhuidhe  's  nan  sia  sgillinn 
faotainn.  Chuir  mi  oidhche  gheamhraidh  sea- 
chad  o  chionn  ghoirid  ann  an  aon  de  thighean- 
osda  Ghlaschu,  agus  an  deidh  na  suipeir  dh' 
fhoighnich  mi  de  ghille  nam  brog  am  b'  urr- 
ainn  e  leabhar  sam  bith  a  thoirt  dhomh  a 
chuireadh  seachad  an  tiine.  "  Am  bitheadh 
suim  agaibh,"  arsa  esan,  "  de  dh'  aon  de 
leabhraichean  Edgar  Uallais  ?  "  Thubhairt  mi 
ris  nach  bitheadh.  "'Ma  ta,  tha  mi  duilich," 
thuirt  e,  "  nach  'eil  leabhar  eile  agam  an 
drasd  a  stigh  as  fhiach  an  t-saothair."  A 
h-uile  fear  gu  a  chail,  mar  a  their  sinn,  ach  's 
math  nach  riaraich  Edgar  Uallais  no  eadhon 
Tearlach  Dickens  cail  a  h-uile  fir.  Ma  bha 
biadh  Mhic  Mhathain  trom  bha  e  fallain  agus 
bha    daoine    foghainteach    air    an    arach    leis. 

As  an  fhasan 

Tha  a'  chuid  mhor  de  na  leabhraichean  a  tha 
e  ag  ainmeachadh  air  dol  a  cuimhne  a  nis 
agus  tha  cuibhrionn  mhath  dhiubh  nach  bi  air 
an  clo-bhualadh  tuilleadh  ach  bha  iad  feumail 
'n  an  la,  agus  bha  daoine  matha  fo  fhiachan 
dhoibh.  Tha  e  toirt  taing  d'a  charaid  air  son 
Litrichean  Newtoin  agus  air  son  dain  de  'n 
robh  mor  ainm  aig  an  am,  an  t-Sabaid.  Tha 
dan  eile  ann.  An  Gearan,  no  Smaointean  na 
h-Oidhche,  air  son  am  bheil  e  a'  toirt  mor 
bhuidheachas.  Bha  an  dan  so  cho  fada  's 
gu  'm  b'  eudar  do  'n  iighdar,  ministear  Sasunn- 
ach  d'  am  b'  ainm  Young,  a  roinn  'na  naoi 
earrannan.  Feumaidh  mi  aideachadh  ged  a 
tha  dan  Young  agam  a  stigh  o  chionn  faisg  air 
da  fhichead  bliadhna  nach  do  leugh  mi  riamh 
gu  cheann  e.  Cha  mho  a  thachair  mi  air  duine 
sam  bith  eile  a  b'  urrainn  a  radh  gu  'n  d'  rinn 
e  fhein  an  gnothach  air.  Cha  lugha  na  Pro- 
fessor air  a  Ian  phaigheadh  air  son  na  h-oibre 
a  dheanadh  an  t-seirbheis,  ach  tha  Mac 
Mhathain  ag  radh  gu  'n  do  leugh  e  an  dan  o 
cheann  gu  ceann,  agus  gu  'm  bheil  e  fad  an 
comain  an  fhir  a  chuir  a  leithid  de  leabhar 
brioghmhor  'na  rathad. 

Bha  na  paipeirean-naidheachd  na  bu  ghainne 
na  leabhraichean   aig  an  am,   agus   chan   'eil 


teagamh  nach  biodh  an  oidhche  gheamhraidh 
fada  a  dh'  aindeoin  Gearan  Young  no  Tursainn 
Mhic-Thomais.  Aig  aon  am  tha  Mac  Mhathain 
a'  cluinntinn  gu  'm  bheil  an  Seanachaidh 
Gaidhealach  a'  dol  a  thighinn  a  mach  agus  tha 
dochas  aige  gu  'n  tig  e  an  rathad  He. 

Tha  e  'g  iarraidh  air  a  charaid  mar  an  ceudna 
paipeir  a  chur  thuige.  "  Air  mo  ghearradh 
air  falbh,  mar  a  tha  mi,  o  cho-chomunn  a 
mhor-shluaigh  tha  ni  air  bith  blasmhor  a  thig 
le  caochladh  eolais.  Tha  e  toirt  brosnachadh- 
inntinn  seachad  agus  a  briseadh  sios  na  h- 
aonaranachd  a  tha  co-cheangaillte  ri  beatha 
duine  air  diithaich  na  Gaidhealtachd.  Cuir, 
ma's  e  do  thoil  e,  paipeir  thugam  a  nis  's  a 
rithis  chan  ann  a  chionn  gu'm  bheil  mor  uigh 
agam  ann  an  deasbaireachd  Parlamaid  ach 
gu'm  bu  mhath  leam  fhios  a  bhi  agam  de  tha 
dol  air  aghaidh  anns  an  t-saoghal." 

Stuamachd  no  tur-sheachnadh 
Bha  ceisd  eile  ann  air  an  robh  caraid  Mhic 
Mhathain  a'  cur  mor  chudthruim.  B  'e  sin 
ceisd  na  stuamachd.  Bha  Mac  Mhathain 
'na  dhuine  measarra  mar  bu  choir  do  gach 
Criosduidh  a  bhi  ach  bha  a  charaid  air  son  gu  'n 
ceangladh  e  e  fein  ri  buidheann  nan  Teetotallers 
mar  a  their  iad  riutha.  Cha  robh  sin  soirbh 
do  neach  air  bith  aig  an  am  ud  a  dh'  aindeoin 
de  cho  stuama  's  a  dh'  fhaodadh  e  bhi.  Bha 
uisge-beatha  air  ol  aig  am  breith  is  bais,  aig 
banais  is  margadh  ;  far  am  biodh  sluagh 
cruinn,  co  dhiu  bhiodh  ann  aighear  no  brou, 
dh'  fheumadh  an  deoch  laidir  a  bhi  lathair  agus 
'na  lorg  bhitheadh,  tuilleadh  as  trie,  connsa- 
chadh  is  mi-riaghailt.  Bha  fhios  aig  Mac 
Mhathain  ro-mhath  air  gach  crois  a  bha  'n 
cois  na  dibhe  ach,  mar  a  tha  e  ag  radh,  bha 
eagal  air  a  bhi  air  ainmeachadh  'na  "  spiocaire 
bochd  "  leis  na  coimhearsnaich.  Sguir  e 
fhein  do  bhlasad  air  idir  ach  na  b'  fhaide  na 
sin  cha  rachadh  e  aig  an  am. 

Chan  'eil  cleachdadh  cho  soirbh  a  stad  's  a 
tha  daoine  am  beachd — gu  h-araidh  cleachdadh 
a  fhuair  a  fhreumhan  sios  ann  am  beatha  an 
t-sluaigh.  O  chionn  beagan  iiine  chuala  mi 
duine  ghc  a'  cur  na  ceisd  ri  mhathair,  bean 
chaomh  a  thainig  gu  aois  mhor  agus  aig  an 
robh  cuimhne  fhada  "  nach  'eil  beachd  agaibhse 
'nuair  a  bhiodh  iad  a'  feuchainn  reis  leis  na  cair- 
tean  a'  tighinn  dhachaidh  o  chomanachadh 
Ch  .  .  .  .?  "  "  Moire  !  tha,"  ars'  a  mhathair, 
"  agus  iad  a'  call  nan  rothan  ach  co  bhiodh  air 
thoiseach."  Ann  an  aon  de  na  h-eileanan 
tuathach  thainig  am  bas  air  fear  de  dh'  eildeir- 
ean  na  h-eaglais  agus  chomhairlich  ceistear 
an  aite,  a  bha  fada  'n  aghaidh  na  deoch  laidir, 
do  theaghlach  an  fhoirfich  gun  bhoinne  uisge- 
bheatha  bhi  air  an  tiodhlacadh.  'S  ann  mar 
sin  a  bha,  ach  an  uair  a  thainig  brathair  an 
eildeir  dhachaidh  as  a'  Ghalldochd  cha  robh 


6 


LITRICHEAN  AS  A'  GHLEANN 


bonn  fo  cheill  le  feirg.  "  'S  glice  do  'n  cheis- 
tear  mise  a  sheachnadh,"  ars'  esan,  "  ma  tha 
e  air  son  a  chnamhan  a  bhi  slan — am  fear  a 
thiodhlaic  mo  bhrathair  mar  gu  'n  tiodhlaiceadh 
e  cii." 

A  dh'  aindeoin  cho  cearr  's  a  bha  an  cleach- 
dadh  a  bha  measg  an  t-sluaigh  cha  rachadh 
Mac  Mhathain  le  charaid  an  t-astar  a  bha  a 
charaid  ag  iarraidh. 

"  Chan  'eil  mi,  tha  e  a'  sgriobhadh,  "  ann 
am  Teetotaller  uile  gu  leir.  An  aon  ni  ris  nach 
aontaich  mi  anns  a'  bhoid  a  tha  na  Teetotallers 
a'  tabhairt  's  e  so  nach  hi  mi  am  mheadhon  air 
neach  eile  'ga  fhaotai?i7i.  Cha  gheill  mi  do  'n 
riaghailt  sin  gus  an  cuir  sluagh  na  diithcha  stad 
air  a'  chleachdadh  aig  am  breith  is  bais.  Tha 
lan-fhios  agam  gu  'n  abair  thu  gu'm  feum 
cuid-eiginn  toiseach  seasmhach  a  ghabhail  an 
aghaidh  an  droch  cleachdaidh  agus  tha  mi 
cur  m'  aonta  ri  sin  gu  saor,  ach  tha  tri  argum- 
aidean  agam  an  aghaidh  seasamh  a  mach 
learn  fein — m'  athair,  mo  mhathair,  mo  bhean 
— triiiir  nach  cluinn  iomradh  air  mi  dhol  cho 
fada  sin  air  m'  aghaidh." 

Cor  na  duthcha 

Chan  'eil  e  a'  toirt  iomraidh  air  teachd-an-tir 
an  t-sluaigh  mar  bu  mhath  leinn  no  air  moran 
nithean  a  bha  cur  dragha  orra  aig  an  am  no 
cia  mar  a  bha  iad  a'  cur  seachad  na  h-iiine 
'nuair  a  sguireadh  obair  an  latha.  Uair  no 
dha  tha  e  ag  ainmeachadh  dhroch  phrisean 
agus  ag  radh  mur  b  'e  athair  's  a  mhathair  a 
bhi  fas  aosda  gu'm  fagadh  e  He  's  gu'm  feu- 
chadh  e  fhortan  anns  a'  bhaile  mhor.  Rinn  e 
iomradh  aon  uair  air  Dinneir  Bhliadhnail  nan 
Tuathanach  ann  am  Beul-an-ath  ach  dad 
sam  bith  a  sgriobh  e  mu  dheighinn  na  cuirme 
chan  'eil  e  air  a  chlo-bhualadh.  Faodaidh  e 
bhi  gu  'n  d'  thug  sraidean  a'  bhaile  tlachd 
na  spreidhe  a  cridhe  a  charaid  no  gu  'n  deach 
innseadh  dha  ma  chaidh  deoch-an-doruis  mu  'n 
cuairt  tuilleadh  is  trie.  Ciod  air  bith  a  b' 
aobhar  tha  naidheachd  na  cuirme  a  dhith 
oirnn.  Bha  aon  ni  a  thug  toil-inntinn  dha, 
gu  'n  d'  thainig  pris  na  litreach  o  thri  sgillinn 
diag  is  bonn  a  sia  gu  sgillinn.  Bidh  cuimhne 
aig  luchd-leughaidh  an  Teachdaire  Ghaidheal- 
aich  cho  borb  's  a  dh'  fhag  an  t-Achd  ud  seana 
Chalum  Posta  ann  am  Muile,  's  an  spid  a 
thilg  e  air  an  fheadhainn  nach  d'  fhuair  litir 
riamh  no  an  aithrichean  rompa  gus  an  d' 
thainig  am  faradh  gu  neo-ni.  Tha  Mac 
Mhathain  ag  radh  gu'n  robh  He  o  cheann  gu 
ceann  ro-thaingeil  air  son  an  tiodhlac  thimeil 
agus  bhuannachdail  a  thainig  air  an  Eilean. 
Am  bitheantas  tha  e  f  hein  toilichte  le  a  chrann- 
chur,  tha  a'  bhliadhna  ann  an  laimh  an  Fhreas- 
dail  mar  a  tha  beatha  an  duine,  agus  tha  fior 
shonas  ann  a  bhi  leagta  ri  thoil,     "  Do  thaobh 


daoiread  bidh  agus  suidheachadh  dhaoine 
bochda  tha  mi  a'  creidsinn  gu'm  bheil  sinne 
anns  a'  Ghleann  mar  a  tha  sibhse  ann  an  Glas- 
chu.  Ach  chan  'eil  coinneamhan  Radicals  no 
Cha7'tists  againn  ann  an  He,  ni  a  tha,  dh'  aon 
rud  CO  dhiu,  a'  caomhnadh  cuid  de  'n  iiine  do  'n 
luchd  obrach.  Tha  'n  aire  uile  air  uiread  's 
a  tha  na  'n  comas  a  chosnadh  d'  an  teaghlai- 
chean.  Chan  'eil  iiigh  mhor  agam  ann  an 
connsachadh  Parlamaid  ach  tha  mi  creidsinn 
ma  cheadaicheas  am  Freasdal  dhuinn  am 
fabharach  agus  ma  chumas  am  buntata  roimhe 
mar  a  tha  e  'n  drasd  gu'm  bi  pris  na  mine  na  's 
isle  na  bha  i  o  n'  as  cuimhneach  leat," 

Na  cnamhan  tioram 

Chan  'eil  Mac  Mhathain  ann  an  litir  sam 
bith  a  di-chuimhneachadh  cor  spioradail  a' 
Ghlinne  agus  He  air  fad.  "  Tha  anns  an  ain 
so,"  tha  e  sgriobhadh,  "  gluasad  neo-ghna- 
thach  anns  an  Eilean  agus  iomadh  neach  ann 
an  Eaglais  na  h-Alba  agus  am  measg  na 
muinntir  an  taobh  a  mach  a'  feoraich  ciod  a 
ni  mi  a  chum  's  gu'm  bi  mi  air  mo  thearnadh  ? 
Tha  Mr  Pearson,  Cill-mheanaidh,  an  deidh 
coinneamh  iirnuigh  sheachduinn  a  chur  air 
bonn  a  tha  moran  a'  frithealadh  's  troimh  am 
bheil  math  sonruichte  deanta.  Tha  e  teagasg 
sgoil-Shabaid  mar  an  ceudna  a  tha  air  a  frith- 
ealadh le  aireamh  mhor  de  sheann  daoine  's 
de  dh'  oigridh.  Tha  eadhon  seana  Mhr 
Mac-an-Toisich  fhein  na  's  diirachdaiche 
na  's  abhaist.  Dh'  eisd  mi  ri  tri  searmoin 
bhuaith  a  dhriiigh  orm  gu  mor  's  bho  'n  d' 
fhuair  mi  solus  sonruichte.  (Sean-Fhacail  viii, 
3.)  (Is.  vi,  1-6.)  (Is.  xli.  14.)  Am  measg  nan 
Neo-Eiseamaileach  (Independents)  tha  duine 
bg,  Mac  Illeathain,  gobha,  a  tha  searmona- 
chadh  gach  la  Sabaid  ann  an  caochladh  aitean 
de  'n  Eilean.  Tha  meas  mor  air  ach  cha 
chuala  mi  fhathast  e.  Am  measg  nam  Bais- 
teach  tha  soirbheachadh  math.  Air  an  t- 
Sabaid  so  chaidh  chuireadh  triiiir  ri  'n  aireamh 
le  bhi  air  an  tumadh  anns  an  abhainn  aig 
drochaid  Mhuiledreagh. 

B'e  "  seana  Mhr  Mac-an-Toisich  "  air  am 
bheil  Mac  Mhathain  a'  labhairt  ministear 
Chille-mo-Rubha  agus  b'  ann  's  an  eaglais 
aige  ann  am  Bogha-mor  a  bhiodh  Mac  Mhathain 
ag  aoradh.  Thainig  am  bas  air  anns  a'  bhli- 
adhna 184.2.  Chan  'eil  duine  bed  an  diugh 
aig  am  bheil  cuimhne  air  ach,  fhad  's  a  tha 
beul-aithris  a'  dol,  bha  e  'na  dhuine  coibhneil 
agus  'na  mhinistear  dileas.  Chan  'eil  Neo- 
Eisamaileach  a  nis  ann  an  He  o  cheann  gu 
ceann  's  cha  mho  tha  Baisteach  anns  a'  Ghleann. 
'S  gann  a  tha  duine  idir  anns  a'  Ghleann  an 
coimeas  ris  na  bha  ann  aon  uair.  Am  bliadhna 
tha  an  sgoil  air  a  frithealadh  le  dusan  ;  beagan 
iiine  air  ais  thainig  an  aireamh  gu  sia,     'Nuair 


LATHA  BAIS  CHALUIM  CILLE  (A.D.  597) 


a  thig  sgalag  no  tuathanach  do'n  aite  le  sianar 
no  seachdnar  chloinne  bige  bidh  sinn  cinnteach 
gu'm  bi  an  sgoil  air  a  cumail  fosgailte,  ach 
'nuair  a  dh'  fhagas  e  an  Gleann  tha  sinn  air  air 
clisgeadh  gu  'n  toir  e  an  sgoil  leis.  'Nuair  a 
bha  Mac  Mhathain  a'  sgriobhadh  nan  litrichean 
bha  i,  gu  h-araidh  an  am  a'  gheamhraidh,  air 
a  frithealadh  le  sia  fichead.  Tha  sinn  an  dochas 
nach  tiff  an  aireamh  cho  iosal  ri  sianar  tuilleadh. 


Bu  mhath  leinn  gu  'm  biodh  an  tigh  'na  cheann- 
uidhe  do  'n  chloinn  bhig  feadh  na  seachduin 
agus  air  an  t-Sabaid  gu'm  biodh  iad  fein*  's 
am  parantan  a'  togail  fonn  nan  Salm  ann  mar 
a  chleachd  an  athraichean.  Tha  sinn  an 
dochas  mar  an  ceudna  gu'm  bi  iomadh  neach 
air  a  theagasg  ann  a  bhios,  coltach  ri  Domhnall 
Mac  Mhathain,  "  fhathast  a'  labhairt  "  ri 
each  an  deidh  dha  f  hein  an  saoffhal  f  hasfail. 


Latha  Bkis  Chaluim  Cille  (a.d.   597) 

Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-Naomhaig 


IS  iongantaeh  da  rireadh  an  cliii  a  choisinn 
Calum  Cille.  Tha  corr  maith  is  tri  cheud 
deug  bliadhna  bho  na  chaochail  e,  agus  fhath- 
ast, tha  ainm  na's  iomraitiche  agus  na's 
dealraiche  na  ainm  air  bith  eile  ann  an  uile 
eachdraidh  na  Gaidhealtachd.  Mar  a  tha  f  hios 
aig  na  h-uile,  shuidhich  esan  tigh-soluis  ann  an 
eilein  I,  a  las  a  suas  cha'n  e  a  mhain  a'  Ghaidh- 
ealtachd  ach  duthchannan  mu  dheas  mar  an 
ceudna,  le  eolas  na  beatha  maireannaich.  Is 
cinnteach  gu'n  robh  a  chomh-sheirbhisich  airidh 
air  roinn  nach  beag  de'n  chliii  a  thuinnich  m'a 
cheann-san  ;  ach  a  dh'  aindeoin  sin,  tha  e 
soilleir  gu'm  bu  duine  prionnsail  a  bha  ann-san 
air  gach  doigh,  le  fuil  righrean  'na  chuislean, 
laidir  'na  bhodhaig,  maiseach  'na  phearsa, 
cumhachdach  'na  inntinn,  eudmhor  'na  spiorad, 
coisrigte  gu  seirbhis  ann  an  aobhar  Dhe  ;  agus 
gu'n  d'thug  e  eiseimpleir  d'a  mhuinntir,  a  dh' 
f  hadaich  an  spioradan,  agus  a  lean  mar  chuimh- 
neachan  beo  'n  am  measg  cho  fada  is  a  sheas  an 
eaglais  Cheilteach  anns  an  duthaich. 

Chan  ann  air  a  sheirbhisean  mora  anns  an 
t-soisgeul  a  tha  an  t-iomradh  a  leanas,  ach  air  a 
ghluasad  air  an  latha  mu  dheireadh  a  chaith  e 
anns  an  t-saoghal,  a  reir  mar  a  tha  Adamnan,  a 
sgriobh  eachdraidh  a  bheatha,  'ga  innseadh. 
Cha  bhiodh  e  furasda  naidheachd  is  druidhtiche 
fhaotainn  mu  chrich  turuis  naoimh  air  bith. 
Ma  bha  a  bheatha  cumhachdach,  bha  a  bhas 
caomhail,  grasmhor,  coltach  ri  luidhe  na  greine 
air  feasgar  ciuin  samhraidh,  gun  reul  'na  coir. 
So  mar  tha  Adamnan  ag  aithris  mar  a  thachair  : 

Air  latha  na  Sabaid  (Di-Sathuirne)  chaidh  an 
duine  urramach,  is  Diarmad,  a  ghille  dileas, 
maille  ris,  a  bheannachadh  an  t-sabhuil  a  bha 
dluth  ri  laimh.  An  deidh  do'n  naomh  an  sabhul 
agus  da  mheall  de  ghran  glan  a  bha  ann  a 
bheannachadh,  chuir  e  an  ceill  a  thaingealachd 
anns  na  briathran  so  :  "  Tha  mi  aoibhneach  air 
sgath  mo  mhanach  ghradhach,  gu'm  bi  am 
pailteas  agaibh  am  bliadhna  mar  an  ceudna, 
ma's  fheudar  dhomh  dealachadh  ribh."  Air  do 
Dhiarmad  so  a  chluinntinn,  dh'fhas  e  bronach, 


agus  thubhairt  e  : — "  Athair,  tha  sibh  a'  cur 
duilichinn  oirnn  ro  thric  an  drasda,  a  toirt  tarr- 
uing  o  am  gu  am  air  a  bhi  dol  'g  ar  fagail." 
Ach  fhreagair  an  naomh  e  : — "  Tha  facal  beag, 
diomhair  agam  ri  a  thoirt  dhuitse  ;  ma  gheallas 
thu  gu  firinneach  nach  foillsich  thu  e  do  neach 
air  bith  mu'm  basaich  mi,  bithidh  e  comasach 
dhomh  labhairt  riut  mu  m'  thriall,  le  barrachd 
saorsa."  Air  do'n  ghille  gealltuinn,  air  a 
ghliiinean,  a  reir  iarrtuis  an  naoimh,  lean  an 
duine  urramach  air  aghaidh  mar  so  : — "  Is  e  an 
t-Sabaid  ainm  an  latha  so  anns  an  Sgriobtur,  is 
e  Fois  is  ciall  do'n  ainm  sin  ;  agus  da-rireadh, 
is  e  fois  dhomh-sa  a  bhitheas  ann  ;  oir  is  e  an 
latha  mu  dheireadh  de  m', bheatha  shaothrachail 
an  so,  air  am  bheil  mi  a  leigeil  dhiom  uallach 
m'  oibre  ;  oir,  a  nochd,  aig  a'  mheadhon-oidhche, 
an  uair  a  tha  latha  soluimte  an  Tighearna  a' 
toiseachadh,  siubhlaidh  mise,  mar  a  their  an 
Sgriobtur,  air  slighe  ar  n-athraichean,  'n  a 
mhaitheas,  tha  mo  Thighearna  losa  Criosd  air 
a  ghairm  a  chur  thugam  a  cheana,  agus  d'a 
ionnsaidh-san  bithidh  mi  a'  triall,  mar  a  thubh- 
airt mi,  aig  marbh  na  h-oidhche,  an  uair  a 
gheibh  nai  a  chuireadh  ;  oir  dh'fhoillsich  an 
Tighrna  eae-fein  dhomh  an  gnothuch." 

An  uair  a  chual  am  fear-frithealaidh  na 
briathran  duilich  ud,  thoisich  e  air  caoidh  gu 
goirt,  agus  dh'fheuch  an  naomh  ri  a  chomh 
fhurtachadh  cho  math  is  a  b'ui'rainn  e. 

'N  a  dheidh  so,  dh'fhag  an  naomh  an  sabhul, 
agus  am  feadh  is  a  bha  e  a'  tilleadh  a  dh'ionn- 
saidhTighnam-manach,leig  e  anail  mu  mheadh- 
on  an  astair,  far  am  faicear  gus  an  latha- 'n- 
diugh  ri  taobh  na  slighe,  crois,  le  a  bonn  an 
sathadh  ann  an  cloich-mhuilinn,  a  chuireadh  a 
suas  mar  chuimhneachan  air  a'  chilis.  Am 
feadh  is  a  bha  an  naomh,  is  e  air  a  chromadh  leis 
an  aois,  'n  a  shuidhe  an  sud,  mar  a  thubhairt  mi, 
airson  'anail  a  tharruing,  feuch,  thainig  far  an 
robh  e  gearran  ban,  d'am  b'abhaist  a  bhi  a' 
giulan  le  deadh  thogradh  nan  cuinneagan  bainne 
o  chro  a'  chruidh  a  dh'  ionnsaidh  an  Tighe. 
Dhluthaich  an  ainmhidh  ris  an  naomh,  agus 
iongantaeh  ri  aithris  ged  a  tha  e,  leag  e  a  cheann 


s 


LATHA  BAIS  CHALUlM  CILLE  (A.D.  597) 


'n  a  uchd,  air  a  ghluasad  le  Dia  gu  so  adheanamh 
a  reir  mo  chreidimh-sa,  amhuil  a  tha  tuigse 
thachairtean  air  a  buileachadh  air  gach  creutair 
a  reir  toil  a'  Chruithear.  Ag  aithneachadh 
gu'n  robh  a  mhaighistir  a'  dol  g'a  f  hagail  an  iiine 
ghoirid  is  nach  faiceadh  e  tuilleadh  e,  thoisich 
an  gearran  ri  gniisdaich  bhronaich,  agus  ri 
sileadh  nan  deur  gu  pailt,  mar  gu'm  b'e  duine  a 
bh'ann,  air  uchd  an  naoimh,  gus  an  d'thainig 
cobhar  dheth  le  meud  a  chaoidhe.  Air  do'n 
ghille-fhrithealaidh  so  fhaicinn,  thoisich  e  air  a' 
chreutair  bhronach  f huadach  air  falbh  ;  ach 
thoirmisg  an  naomh  dha  sud,  ag  radh  :  "  Leig 
leis  ;  bho'n  a  tha  e  cho  gaolach  orm,  doirteadh 
e  a  mach  a  dhuilichinn  gheur  'na  m'  bhroilleach. 
Faic  thu-fein,  ged  is  duine  thu  le  anam  reusonta, 
cha  'n  eil  e  'n  a  d'  chomas  eolas  fhaotainn  a 
thaobh  mo  shiubhail  as  an  t-saoghal,  ach  a  mhain 
na  tha  mi-fein  air  innseadh  dhuit.  Ach  do'n 
bhriiid  so,  a  tha  dh'easbhuidh  reusain,  rinn  an 
Cruithear  fein  aithnichte,  air  dhoigh  air  chor- 
eigin,  gu'm  bheil  a  mhaighistir  a'  dol  'ga 
f hagail."  Air  dha  so  a  radh,  bheannaich  an 
naomh  an  gearran,  a  thionndaidh  an  sin  air 
falbh  gu  tiirsach. 

An  sin,  dhirich  an  naomh  gu  mullach  a'  chnuic 
OS  ceann  Tigh-nam-manach,  agus  a'  seasamh  le 
a  lamhan  togta  a  suas,  bheannaich  e  'aitreabh, 
ag  radh  : — "  Beag  is  suarach  ged  a  tha  an  t-aite 
so,  bithidh  e  fhathast  air  a  choimhead  ann  am 
meas  mor  agus  mi-chumanta,  cha  'n  ann  a  mhain 
le  righrean  agus  sluagh  na  h-Alba,  ach  mar  an 
ceudna  le  uachdarain  dhuthchanna  cein  is  borb, 
agus  le  'n  iochdarain  ;  agus  a  thuilleadh  air  sin, 
bithidh  urram  shonruichte  'g  a'  chur  air,  eadhon 
le  naoimh  eaglaisean  eile." 

Air  dha  labhairt  mar  sin,  theirinn  e  an  cnoc 
agus  air  dha  tilleadh  a  dh'ionnsaidh  an  Tighe, 
shuidh  e  na  bhothaig  fein,  far  an  robh  e  a' 
sgriobhadh  Leabhar  nan  Salm  as  iir.  An  uair 
a  rainig  e  an  rann  anns  a'cheathramh  Salm  deug 
thar  an  fhichead,  anns  am  bheil  e  sgriobhta — ■ 
"  Orrasan  a  dh'  iarras  an  Tighearna,  cha  bhi, 
maith  air  bith  a  dhith,"  thubhairt  e  :  "  Feum- 
aidh  mi  stad  an  so  ;  sgriobhadh  Baitein  an 
corr." 

An  uair  a  chriochnaich  e  an  rann  ud  aig 
deireadh  na  duilleige,  dh'  fhalbh  an  naomh  do'n 
eaglais  airson  seirbhis  na  h-oidhche  roimh  Latha 
an  Tighearna.  Cho  luath  is  a  bha  so  thairis, 
thill  e  gu  'sheomar,  far  an  do  chaith  e  an  corr 
de'n  oidhche  air  a  leabaidh — leac  ruisgte  fodha, 
is  clach  'n  a  cluasaig  dha  ;  clach  a  tha  'n  a 
seasamh  gus  an  latha- 'n-diugh  mar  sheorsa  de 
chuimhneachan  ri  taobh  'uaighe.  Am  feadh 
is  a  bha  e  'na  shineadh  an  sud,  chuir  e  an  ceill 
orduighean  deireannach  do  na  braithrean,  ann 
an  eisdeachd  a  ghille-fhrithealaidh  a  mhain,  ag 
radh  : — "  So  na  briathran  mu  dheireadh,  O  mo 
chlann,  a  labhras  mi  ribh  : — Bithibh  ann  an  sith, 
agus    biodh   gradh    neo-chealgach    eadaraibh. 


Ma  leanas  sibh  mar  sin  eiseimpleir  nan  aith- 
richean  naomha,  bithidh  Dia — comhfhurtair 
nam  fireana — 'na  fhear-cuideachaidh  dhuibh  ; 
agus  bithidh  mise,  'n  am  chomhnuidh  maille  ris, 
ri  eadar-ghuidhe  as  'ur  leth  ;  agus  cha'n  e  a 
mhain  gu'n  toir  E  dhuibh  na  dh'  f  hoghnas  airson 
feuman  na  beatha  so,  ach  mar  an  ceudna, 
builichidh  e  oirbh  na  duaisean  matha  agus 
maireannach,  a  tha  air  an  tasgaidh  a  suas  air 
an  son-san  a  choimheadas  'aitheanta." 

Beannachadh  nam  braithrean 

An  deidh  labhairt  mar  so,  agus  uair  a  shiubh- 
ail a  nis  a  dluthachadh,  dh'  fhan  an  naomh  'na 
thosd.  Cho  luath  is  a  bhuail  an  clag  uair  a 
mheadhoin  -  oidhche,  dh'  eirich  e  an  cabhaig 
agus  dh'  fhalbh  e  do'n  eaglais  ;  agus  a'  greasad 
air  thoiseach  air  each,  chaidh  e  a  stigh  leis  fein, 
is  liib  e  a  ghluinean  ann  an  iirnuigh  ri  taobh  na 
h-altarach.  Aig  a'  cheart  mhionaid,  mhothaich 
a  ghille-frithealaidh — ^Diarmad — a  lean  e  le 
lughad  cabhaige,  anns  an  astar  gu'n  robh  broinn 
na  h-eaglaise  Ian  de  sholus  neamhaidh,  gu  son- 
ruichte  laidir  timchioll  an  naoimh — mar  a  dhliith- 
aich  Diarmad  ris  an  dorus,  an  solus  so  a 
chunnaic  mar  an  ceudna  cuid  de  na  braithrean 
a  bha  nan  seasamh  astar  beag  air  ais — chaidh  e 
as  gu  h-ealamh.  Ghabh  Diarmad  air  aghaidh 
a  stigh  do'n  eaglais,  ag  eigheach  le  guth 
cianail  : — "  C  ait'  am  bheil  sibh,  athair  ?  " 
Lean  e  roimhe,  a'  smeurachadh  anns  an  doreh- 
adas,  gus  an  d'  fhuair  e  an  naomh  'n  a  shineadh 
fa  chomhair  na  h-altarach.  Air  dha  togail  bheag 
a  thoirt  air,  shuidh  e  r'a  thaobh,  agus  leag  e  a 
cheann  naomh  'na  uchd.  Thainig  a  nis  an  corr 
de  na  manaich  'n  an  aoin  bhuidhinn  le  cabhaig, 
agus  lochrain  aca.  An  uair  a  chunnaic  iad  an 
Athair  I'is  a'  bhas,  bhx'is  iad  a  mach  ann  an 
caoidh  chruaidh. 

A  reir  mar  a  dh'  aithriseadh  dhuinn  le  cuid 
dhiubh-san  a  bha  's  an  lathair,  mu'n  do  shiubhail 
anam  an  naoimh,  dh'  fhosgail  e  a  shuilean  gu 
farsuing,  agus  sheall  e  mu  'thimchioll  air  gach 
taobh,  is  a  ghnuis  Ian  de  aoibhneas  iongantach, 
air  tailleamh,  is  docha,  e  a  bhi  a'  faicinn  nan 
ainglean  naomha  a'  tighinn  'n  a  chomhail.  An 
sin,  thog  Diarmad  lamh  dheas  an  naoimh,  a 
chum  is  gu'm  beannaicheadh  e  na  manaich  a 
bha  cruinn  comhla  fa  chomhair.  Aig  a  cheart 
am,  ghluais  an  t- Athair  urramach  e-fein  a  lamh 
chomathis  a  b'urrainn  e,  a  chumisgu'm  faiceadh 
iad  leis  a'  chomharradh  ud  fein,  gu'n  robh  e  'g 
am  beannachadh,  ged  nach  b'urrainn  e  labhaii't 
am  feadh  is  a  bha  'anam  a'  siubhal.  Air  dha  a 
bheannachadh  naomh  a  thoirt  dhaibh  anns  an 
doigh  ud,  air  ball,  thug  e  suas  an  deo.  An  deidh 
do'n  anam  pailliunn  na  coluinne  f  hagail,  mhair  a 
ghnuis  rughtach  agus  dealrach  ann  an  doigh 
iongantaich,  do  bhrigh  a  sheallaidh  air  na  h-ain- 
glean,  air  chor  is  gu'm  bu  choltaiche  e  ri  duine 
beo  'n  a  chadal  na  ri  duine  marbh. 


Aireamh  7 


93 


An  Cupan  Oir 


Leis  an  Urhamach  Calubi  Mac  Le6id,  Eaglais  Iain  Knox,  an  Glaschu 
"5?t  chupan  oir  Bahilon  ann  an  Iciimh  an  Tighearna." — Jeremiah,  li.  7. 


ANIS,  cha  b'  e  baile  eireachdail  no  tlachd- 
rahor  a  bha  ann  am  Babilon  idir.  Aon  chuid 
'na  shuidheachadh  no  'na  dhreach  cha  robh  e 
eireachdail  ri  amharc  air.  Cha  robh  e  ainmeil 
airson  a  nihaise  coltach  ri  Dim-eideann  agus  ri 
Paris  agus  ris  an  Oban.  Cha  robh  ann  ach 
baile-mor  Ian  mhuilnean  is  oibrichean,  salach 
le  ceo  is  dust  athan  is  amhuinnean  ;  aite  maith 
cosnaidh  gun  teagamh,  ach  cha  robh  duine  beo 
a  theireadh  gu  robh  e  sonraichte  air  son  a  mhaise 
— baile  leth  choltach  'san  t-seagh  sin  ri  Glaschu 
againn  fhein.  Theireadh  tu,  nam  bithte  dol 
a  ghabhail  soitheach  mar  shamhla  air,  gur  h-e 
cragan  criadha  a  bhiodh  freagarrach  agus  nach 
e  cupan  oir.  Ach  is  e  Dia  a  tha  ag  cleachdadh 
an  t-samhla  agus  chan  e  duine,  agus  mar 
sin  is  f hiach  dhuinn  beachdachadh  air  le  ro 
aire. 

"  Bu  chupan  oir  Babilon  ann  am  laimh-sa," 
deir  an  Tighearna, — ^Babilon  shalach,  dhaithear, 
ghi-anda.  Co  a  shaoileadh  e,  le  amharc  oirre, 
gu'm  bu  chupan  oir  i.  Agus  cha  robh  i  air  na 
bailtean  a  b'  fhearr  'na  cleachdadh  cuideachd. 
Dh'  fhaodadh  tu  a  radh  nach  robh  i  air  na 
bailtean  a  b'  fhearr  'na  dreach  no  'na  cruth  no 
'na  cridhe.  Gidheadh  bha  i  'na  cupan  oir  ann 
an  laimh  lehobhah.     Ni  ionghantach. 

Rud  eile.  Ma  bha  baile  eile  air  an  t-saoghal 
'san  latha  ud  a  bha  saor  agus  cumhachdach,  gun 
bhi  an  laimh  neach  eile,  b'e  am  baile  sin  Babilon. 
Bha  a  riaghladh  'na  laimh  fhein,  agus  chan  e 
sin  a  mhain  ach  bha  i  a'  riaghladh  mor  roinn 
an  t-saoghail  uile  'san  am.  Cha  robh  i  fo 
iighdarras  no  fo  stiiiireadh  ni  no  neach  's  an 
domhainn.  Shaoileadh  sinne  gu'm  faodadh 
am  baile  is  an  iompaireachd  ud  a  toil  fhein  a 
dheanamh.  Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a  bha. 
Bha  i  fo  riaghladh  is  fo  laimh  Dhe.  Tha  i  'na 
cupan  an  laimh  an  Tighearna,  agus  ni  esan  rithe 
an  ni  a  thogras  e,  agus  chan  e  an  ni  a  thogras 
Babilon, 

Chan  'eil  mar  sin  nithean  a  reir  coltais  ;  chan 
'eil  Babilon  mar  a  shaoil  daoine.  Tha  i  'na 
cupan  oir  an  laimh  Dhe  ;  agus  gu  dearbh  cha 
chanadh  sinne  gur  h-6r  e.  Agus  cha  mho 
theireadh  sinn  gu  robh  cumhachd  eile  'ga 
riaghladh  ach  a  miann  is  a  modh  fhein.  Ach 
an  deidh  sin  is  ann  an  laimh  an  Tighearna  a 
tha  i. 


Tha,  ma  tha,  so  a  leigeil  fhaicinn  dhuinn  an 
toiseach, 

1.  Na  h-innealan  mi-choltach  a  tha  Dia  ag 
cleachdadh. 

Tha  cuimhne  agam  nuair  a  bha  mi  'sa  chogadh 
'san  Fhraing,  goirid  an  deidh  dhomh  ruighinn, 
gu'n  d'  thuirt  comanndair  na  reiseamaid  rium: 
"  A  nis,  a  Phadre,  ma  tha  thu  airson  duine 
fhaighinn  an  so  los  obair  araid  'sam  bith  a 
dheanamh,  na  iarr  air  fear-ceirde  idir  a  dean- 
amh  ;  ma  dh'  iarras,  gabhaidh  e  leth-cheud 
leisgeul  nach  urrainn  e,  agus  gun  uidheam  aige 
— uidheam  agus  innealan  fear-ceirde.  Ach 
iarr  air  duine  lamhcharach  a  deanamh  agus  ni 
esan  i  le  uidheam  sam  bith.  Is  e  saighdear 
deanta  a  bha  'sa  chomanndair  agus  bha  e 
fiosrach  is  eolach  air  ciiisean  ;  agus  is  minic  a 
chunnaic  mise  gu  robh  e  ceart.  Ma  bha 
amhuinn  gu  deasachadh  bidhe  a  dhith  oirnn, 
chan  iarradh  sinn  idir  air  gobha  te  a  dheanamh 
de  bhuideal  iaruinn  anns  an  robh  ola,  ach  air 
saighdear  lamhcharach  nach  robh  'na  fhear- 
ceirde  idir,  agus  dheanadh  esan  an  deagh 
amhuinn  de'n  bhuideal  iaruinn  agus  gun  de  dh' 
uidheam  aige  ach  an  lamh-thuagh.  Chunnaic 
mi  uair  is  uair  an  sid  gu'n  deanadh  uidheam  gle 
mhi-choltach  obair  fheumail  ann  an  laimh  fir 
lamhcharach.  Chunnaic,  agus  air  a  Ghaidheal- 
tachd  againn  fhein.  Tha  caraid  agam  an  sin 
agus  rinn  esan  bord-bidhe  agus  preas,  agus 
comhla  doruis,  agus  gun  de  dh'  uidheam  aige 
ach  an  sgian-luthaidh.  Tha  innealan  a  tha  gle 
mhi-choltach  feumail  ann  an  laimh  cuid  de 
dhaoine.  Tha  innealan  a  tha  gle  mhi-choltach 
feumail  an  laimh  Dhe.  Bha  Babilon  'na  cupan 
oir  an  laimh  an  Tighearna  agus  gu  de  bu  mhi- 
choltaiche  na  Babilon  ;  agus  tha  daoine  a  tha 
gle  mhi-choltach  'n  an  innealan  feumail  is  tar- 
bhach  an  laimh  Dhe — ^'n  an  cupain  oir  aig  an 
Tighearna. 

Gheibh  thu  gu  maith  trie  anns  an  Sgriobtur 
gu  bheil  Dia  ag  cleachdadh  daoine  araidh  mar 
innealan  'na  laimh  fhein,  agus  daoine  a  tha  gle 
mhi-choltach  an  toiseach  ris  an  obair  air  son 
am  beil  Dia  'gan  cleachdadh.  Thuirt  e  mu 
Israel,  is  tu  mo  thuagh-chatha.  Bha  iad  ann 
an  laimh  an  Tighearna  mar  inneal  sgrios  nan 
cinneach. 

Fhaic  thu  an  inneal  mi-choltach  a  dh'  ullaich 


a 


AN  CUP  AN  OIR 


e  chum  a  shluagh  a  thoirt  a  mach  as  an  Eipheit. 
Leanabh  beag  anfhann  air  a  thilgeil  am  measg 
cuilc  na  h-aibhne.  Ach  ghabh  Dia  e  'na  laimih 
fhein  mar  inneal  cothromach  is  cumhachdach 
agus  fa  dheoidh  thuig  na  h-uile  dhaoine  nach 
b'urrainn  neach  a  bhi  ni  bu  fhreagarraiche  na 
Maois  chum  sluagh  Dhe  a  thoirt  a  mach  a  tir 
na  h-Eiphit  agus  a  tigh  na  daorsa.  Bha  Maois 
'na  chupan  oir  ann  an  laimh  an  Tighearna. 

Faic  Jacob,  cho  mi-ghealltanach  'sa  bha  esan 
an  toiseach  a  latha  ;  mar  a  thug  e  a  char  as 
athair,  agus  mar  a  ghabh  e  cothrom  air  a 
bhrathair.  Theireadh  tu  gur  h-e  cragan 
criadha  a  bha  ann  an  lacob.  Ach  ann  an 
laimh  lehobhah  bha  e  'na  chupan  oir,  'na 
phrionnsa  maille  ri  Dia. 

Neo  seall  air  an  inneal  mhi-choltach  a  thagh 
e  agus  e  gu  righ  a  chur  os  cionn  a  phobuill — 
balach  a  bha  ris  a  bhuachailleachd.  Cha  b' 
ann  am  measg  nam  buachaillean  a  rachadh 
duine  dh'  iarraidh  righ.  Bha  faidh  Dhe  fhein 
ag  cur  teagamh  an  toiseach  ann  am  freagarrachd 
Dhaibhidh  gu  bhi  'na  righ  os  cionn  an  t-sluaigh. 
Ach  nochd  e  gu  robh  Dia  ceart  ;  agus  gu  robh 
Daibhidh  'na  chupan  oir  ann  an  laimh  an 
Tighearna. 

B'  aithne  dhuit  fhein  fear  an  sid  agus  gu 
dearbh  bu  thruagh  e  ;  gun  moran  sgoinn  no 
adhartais,  ach  ann  an  laimh  Dhe  thionndaidh 
e  mach  gu  bhi  'na  chupan  oir,  agus  'na  f  hianuis 
shoilleir,  agus  'na  dheisciobul  feumail  is  dileas. 
Chunnaic  mi  uair  is  uair,  is  cha  mhi  'nam  aonar, 
te  a  bha  aotrom  fuasgailt,  'na  creutar  gun  f  heum 
gun  chonn  air  a  tionndadh  gu  bhi  'na  cupan  oir 
an  laimh  Dhe,  le  loinn  is  maise,  agus  ro  fheu- 
mail  'san  fhion-lios. 

Seall  air  'nuair  a  thagh  Criosd  a  dheisciobuil, 
cha  b'e  daoine  mora,  inbheil,  saoibheir  agus 
foghluimte  a  ghairm  e  d'a  ionnsaidh  ach  daoine 
cumanta,  gun  inbh,  gun  saoibhreas,  gun  mhoran 
eolais — iasgairean  is  tuathanaich  is  luchd-cis — • 
cragain  chriadha  ri  amharc  orra.  Ach  bu 
chupain  oir  iad  an  laimh  an  Tighearna.  Tha 
na  h-innealan  a  tha  Dia  ag  cleachdadh  mi- 
choltach  an  siiilean  dhaoine,  ach  an  deidh  sin 
is  or  fior-ghlan  iad  ann  an  laimh  Dhe,  agus 
dhearbh  iad  sin  fo  dheireadh.  Bu  chupan  oir 
Babilon  ann  an  laimh  an  Tighearna. 

Tha  cuimhne  agam  air  a  bhi  leughadh  ann  an 
eachdraidh  beatha  an  naoimh  ainmeil  sin, 
Frannsaidh  beannaichte,  gu'n  robh  e  la  a  sid 
a'  tighinn  a  mach  a  coille  far  an  robh  e  ri 
tirnuigh,  agus  gu'nthachair  aonde  na  braithrean 
— Masseo  diadhaidh — air.  Agus  ars'  esan  ri 
Frannsaidh:  "Carson  ad  dheidh-sa  ?  Carson 
ad  dheidh-sa  ?  Carson  ad  dheidh-sa  ?  "  "  Gu 
de  tha  thu  ag  ciallachadh  "  ?  ars'  am  fear  eile. 
"  Tha  so,"  arsa  Masseo,  "  Carson  a  tha  an  sao- 
ghal  uile  tighinn  ad  dheidh-sa  ?  Carson  a  tha 
a  h-uile  duine  ag  iarraidh  thusa  fhaicinn,  is 
thusa   eisdeachd,   is   a   bhi   umhail   dhuit-sa  ? 


Chan  e  gu  bheil  thu  eireachdail  ri  amharc 
ort  ;  cha  mho  tha  buadhan  sonraichte  ort  ; 
agus  chan  'eil  thu  de  dh'  uaislean  na  tire. 
Carson  a  reist  a  tha  na  h-uile  dhaoine  gad 
leantainn  ?  " 

Nuair  a  chuala  Frannsaidh  so  rinn  e  gair- 
deachas  na  spiorad,  agus  thog  e  suas  a  shuilean 
gu  neamh.  An  deidh  dha  fantuinn  mar  so  iiine 
mhor,  thuit  e  sios  air  a  dha  ghliiin  agus  thug  e 
chu  is  buidheachas  do  Dhia.  An  sin  le  dealas 
naomh  thubhairt  e  ri  Marreo  :  "  Am  bu  mhaith 
leat  f  hios  carson  am  dheidh-sa  ?  Am  bu 
mhaith  leat  fhios  carson  am  dheidh-sa  ?  Am 
bu  mhaith  leat  fhios  carson  am  dheidh-sa  ?  " 
Tri  uairean.  "  Biodh  fhios  agad  air  an  so,  ma 
tha,  gu'n  fhuair  mise  so  bho  shiiilean  an  De 
as  ro  ard  'ga  leir  am  f  irean  agus  an  aingidh  anns 
gach  ait.  Seach  nach  f  haca  na  suilean  ro  naomh 
sin  am  measg  pheacach  aon  bu  thruaillidh,  is  bu 
mhi-choimhlionta,  is  bu  pheacaiche  na  mise,  air  an 
aobhar  sin,  seach  nach  d'  fhuair  e  creutair  eile 
bu  thruaillidh  air  thalamh  chum  obair  mhiorbh- 
uilich  fhein  a  chur  air  adhart,  thagh  e  mise  gus 
an  cuirte  uaisleachd  is  morachd  is  cumhachd  is 
maise  is  gliocas  an  t-saoghail  bun  os  cionn  ;  agus 
sin  gus  am  foillsich  e  gu  bheil  gach  buadh  is 
gach  maith  a  tighinn  uaith  fhein  an  Cruithear 
agus  nach  ann  o'n  chreutair  ;  agus  sin  a  chum 
is  nach  dean  neach  sam  bith  uaill  'na  lathair- 
san."  Leis  fhein,  bha  Frannsaidh  'na  shoith- 
each  criadha,  ach  ann  an  laimh  Dhe  bha  e  'na 
chupan  oir  da  rireadh.  Bha  e  'na  inneal  gle 
mhi-choltach  ann  an  siiilean  dhaoine,  agus  'na 
shuilean  fhein,  ach  bha  e  'na  chuach  oir  ann  an 
laimh  Dhe  chum  leigheas  nan  cinneach  feadh 
iomadh  linn. 

Fhaic  thu  an  Slanuighear  beannaichte  fhein 
nuair  a  thainig  e  dh'  ionnsaidh  an  t-saoghail-sa, 
CO  bu  mhi-choltaiche  na  e,  ann  an  siiilean 
dhaoine.  Agus  cha  ruig  sinn  a  leas  innse 
gu'm  bu  Chupan  oir  e  ann  an  laimh  lehobhah. 

"  Se  an  t-iongantas  bu  mhiorbhuilich  " 
Chaidh  innse  riamh  do  shluagh. 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd, 
Bhi  fas  'na  chiochran  truagh. 

Rugadh  an  stabull  diblidh  e 

Mar  dhilleachdan  gun  treoir, 

Gun  neach  a  dheanadh  cairdeas  ris, 

No  bheireadh  fardoch  dho  ; 

Gun  mhuinntir  bhi  'ga  fhrithealadh, 

No  uidheana  mar  bu  choir, 

Ach  eich  is  daimh  'ga  chuairteachadh, 

D'  an  dual  gach  uile  gloir. 

"  Chan  'eil  sgeimh  no  grinneas  aige,  gu'n  am- 
hairceamaid  air  ;  ni  mo  tha  maise  aige  gu'n 
iarramaid  e.  Tha  e  air  a  dhimeas  agus  air  a 
chur  air  chiil  le  daoinibh  ;  'na  dhuine  dhoil- 
ghiosan  is  eolach  air  bron  ;  agus  mar  neach  a 
dh'  fholuicheas  aghaidh  uainn,  tha  e  air  a 
dhimeas  agus  chan  'eil  suim  againn  dheth." 
Ach  bu  Chupan  oir  e  ann  an  l^imh  an  Tighearna 


AN  CUP  AN  OIR 


3 


— Cupan  na  slainte  is  Cuach  leighis  a'  chinne- 
daonna. 

2.  Tha  a  ris  an  earrainn  so  a'  teagasg  dhuinn, 
nach  coir  dhuinn  a  hhi  ag  cur  crich  roimh  Dhia  'na 
dheanadas. 

Tha  e  dualtach  dhuinne  a  bhi  smaoineachadh 
gur  h-ann  'nar  doigh  f  hein  a  mhain  a  bhios  Dia 
ag  oibreachadh  ;  anns  na  doighean  as  aithne 
dhuinne  agus  air  am  beil  sinn  eolach,  agus  nach 
ann  an  doigh  agus  tre  chuspairean  nach  tuig 
sinn  agus  nach  aithne  dhuinn.  Ach  cha  ghabh 
crioch  a  chur  roimh  Dhia  'na  dheanadas.  Tha 
e  neo-chriochnaichte  anns  gach  doigh— 'na 
dheanadas  mar  a  tha  e  'na  ghloir  is  'na  naomh- 
achd.  Chan  ann  a  mhain  troimh  na  meadhonan 
is  na  cuspairean  a  chleachd  e  mar  tha,  a  tha  e 
ag  oibreachadh,  ach  troimh  mheadhonan  is 
chuspairean  eile,  moran  dhiubh  gle  mhi-chol- 
tach.  Tha  Dia  lamhcharach  agus  ni  e  obair 
le  uidheam  'sam  bith.  Chan  ann  a  mhain  mar 
a  bha,  ged  a  tha  e  gu  trie  ag  obair  mar  a  bha, 
ach  ann  an  doighean  eile — doighean  iongantach 
is  nuadh  do  dhaoine — a  tha  Dia  ag  oibreachadh. 
Chan  'eil  maith  a  bhi  cur  criochan  roimh  Dhia  ; 
chan  'eil  ni  do-dheanta  dhasan. 

A  nis  an  aite  e  bhi  sarachadh  ar  tuigse  agus 
ag  eigneachadh  ar  creideamh,  a  bhi  faicinn 
nithean mi-choltach  ag  oibreachadh  oibre  Dhe, 
is  ann  bu  choir  dha  sin  a  bhi  fosgladh  ar  n-inn- 
tinn  agus  a  neartachadh  ar  creideimh  le  bhi 
nochdadh  dhuinn  nach  'eil  crioch  air  cumhachd 
no  air  deanadas  Dhe.  Is  maith  dhuinne  nach 
gabh  crioch  cur  ri  dheanadas-san  ;  agus  gur 
Dia  graidh  e.  Mar  sin  oibrichidh  gach  ni  a 
chum  maith  do'n  dream  aig  a  bheil  gradh  dha- 
san ;  agus  gach  ni  'na  chupan  oir  'na  laimh- 
san. 

Rud  eile,  bu  choir  d'a  so — nach  'eil  crioch  ri 
chur  ri  Dia  'na  dheanadas— a  bhi  'gar  deanamh 
furachail  chum  is  gu  faic  sinn  de  an  ath  ni  a  ni 
Dia  ;  de  an  doigh  iir  anns  an  nochd  e  dhuinn 
obair  a  fhreasdail.  Tha  eadhon  Babilon  'na 
cupan  oir  ann  an  laimh  an  Tighearna  agus  mar 
sin  tha  e  iomchuidh  d'a  shluagh  a  bhi  furachail 
ach  de  an  cuspair  mi-choltach  a  chleachdas  e  a 
ris  gu  bhi  ag  cur  air  adhart  a  rioghachd  fhein. 
Bu  choir  dha  so  a  bhi  toirt  dhuinn  siiilean 
fosgailte  is  creideamh  furachail  is  cridhe 
fialaidh. 

Tha  e  gle  choltach  gu'n  dean  Dia  or  de  ni  no 
de  neach  a  bhios  gle  mhi-ghealltanach  'nar 
siiilean-ne.  Ni  Dia  or  de'n  pholl.  Agus  ni  e 
cupan  grinn  snasail  de  mheall  a  tha  gle  mhi- 
mhaiseach  an  toiseach.  Chan  fhaod  sinn 
crioch  a'  chur  roimh  chumhachd  Dhe  ann  a  bhi 
ag  atharrachadh  agus  ag  cruthachadh  fhathast 
mar  a  bha  e  o  thiis  ;  agus  tha  a  chruthachadh 
uile  agus  a  dheanadasan  gu  leir,  gu  ro  mhaith 
'n  an  cupain  oir  ann  an  laimh  an  Tighearna. 


3.  Tha  againn  ann  an  so  a  ris  aobhar-mis- 
neachaidh  do  shluagh  an  Tighearna. 

Bha  Babilon  mi-ghealltanach  ann  an  iomadh 
doigh.  Bha  moran  aingidheachd  agus  mi- 
churaim  innte  air  gach  taobh.  Bha  eadhon 
cuid  de  shluagh  an  Tighearna  de'n  bheachd  gu 
robh  i  caillte  gu  tur,  agus  nach  robh  feum  air 
an  domhainn  innte  do  Dhia  no  dh'a  aobhar. 
Ach  cha  b'ann  mar  sin  a  bha.  Gun  teagamh 
bha  iomadh  olc  agus  mi-dhiadhachd  innte,  ach 
an  deidh  sin  bha  i  'na  cupan  oir  ann  an  laimh 
an  Tighearna. 

Bi  sinne  gu  maith  trie  ag  gearan  gu  bheil  an 
saoghal  sam  beil  sinn  an  so  gu  tur  aingidh,  agus 
gun  chiiram  do  Dia  no  d'a  aitheantean  ;  cluinn- 
idh  sinn  cuid  ag  radh  gu  bheil  an  saoghal  'nar 
latha-ne  direach  'na  Bhabilon.  Ach  biodh 
misneachd  againn,  tha  an  saoghal  an  laimh  Dhe. 
Is  esan  a  tha  ag  ard-  riaghladh  os  a  chionn  ; 
agus  tha  e  ag  ard-riaghladh  gu  ro  naomh  is  gu 
ro  ghlic  is  gu  ro  chumhachadh  chum  maith  a 
rioghachd  agus  leas  siorruidh  a  phobuill  fhein. 
Bu  choir  e  bhi  'na  mhisneachd  dhuinn  gu  bheil 
Babilon  'na  cupan  oir  ann  an  laimh  an  Tigh- 
earna ;  gu  bheil  gach  suidheachadh  is  freasdal 
a  bhuineas  dhuinn  ann  an  laimh  an  t-Slanuigheir 
bheannaichte,  a  ghradhaich  sinn  agus  a  dh' 
fhuiling  am  bas  air  ar  son. 

Rud  eile.  Tha  sinn  gu  minic  a  smaoineachadh 
nach  'eil  feum  sam  bith  annainne  do  Dhia  no 
dh'a  aobhar.  Tha  sinn  cho  lag  is  cho  bochd  is 
cho  anfhann,  agus  gu  bheil  sinn  a'  smaoineach- 
adh nach  'eil  feum  sam  bith  annainn  ann  an 
Eaglais  agus  ann  an  aobhar  Dhe.  Tha  sinn 
iomadach  uair  'gar  faighinn  fhein  mar  chragan 
criadha ;  tioram,  faobach,  carrach.  Ach  ma 
bhuineas  sinn  do  Chriosd,  ma  thug  sinn  sinn- 
fhein  dhasan,  am  beil  annainn  ach  cupain  oir 
'na  laimh-san.  Cha  shaoil  sinne  sin.  Ach 
chan  e  an  ni  a  shaoileas  sinne  tha  ceart  ach  an 
ni  a  their  Dia.  Gabhamaid  misneachd,  mata, 
o  Fhacal  is  o  ghealladh  Dhe.  Ma  tha  sinn  ann 
an  Criosd,  bochd  is  mar  a  tha  sinn,  tha  sinn 
'nar  cupan  oir  ann  an  laimh  lehobhah.  Agus 
chan  'eil  fhios  nach  can  Dia  fhein  m'ar 
deidhinn  : 

Cur  thairis  tha  mo  chupan  fos 
Aig  meud  an  lain  a  t'  ann. 

Tha  an  cupan  feumail  gu  61  as  ;  agus  cuirear  an 
cupan  oir  air  bord  an  Righ.  Sin  t'aite-sa  ma 
ghabh  thu  ri  Criosd  mar  d'  Fhear-saoraidh.  A 
charaid,  agus  a  bhana-charaid,  ged  a  shaoileadh 
tu-fhein  agus  muinntir  eile  nach  'eil  annad  ach 
cragan  criadha,  ma  ghabh  thu  ri  Criosd,  agus 
gum  buin  thu  dha,  agus  gum  beil  thu  a'  beath- 
achadh  air,  tre  chreideamh,  is  e  a  th'  annad 
cupan  oir  ann  an  laimh  an  Tighearna. 

Gu'm  beannaicheadh  an  Tighearna  dhuinn 
searmonachadh  Fhacail  fhein  agus  dh'a  ainm 
gu  robh  chliii.     Amen. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'   Chathair 


ANNS  an  Eiphit  an  am  a'  chogaidh  thubhairt 
-  oifigeach  anns  an  arm  rium  gu'n  d'  thug  e  an 
aire  gur  ann  as  an  Tiomnadh  Nuadh  a  bhithinn 
daonnan  a'  tarruing  a'  chinn-theagaisg  air  am 
bithinn  a'  searmonachadh  do  na  saighdearan, 
"  ach  bu  mhaith  learn,"  ars'  esan,  "  aon  de  na 
cinn-theagaisg  ghasda  a  tha  anns  an  t-Seann 
Tiomnadh  a  chluinntinn  aon  uair  eile." 

Dh'  iarr  mi  air  fear  no  dha  dhiubh  sin  ainm- 
eachadh. 

"  So  agad  fear  dhiubh,"  ars'  esan,  "  Ma 
ruith  thu  leis  na  coisichean,  agus  gu'n  do 
sgithich  iad  thu,  cionnus  idir  a  ni  thu  stri  ri 
h-eachaibh  ?  agus  ann  am  fearann  sithe  ged 
robh  agad  dochas,  gidheadh  ciod  a  ni  thu  ann 
an  onfhadh  lordain  ?  "     (leremiah  xii.  5.) 

Cha  robh  f  hios  aige  c6  a  sgriobh  na  briathran, 
no  c'  aite  an  robh  iad  anns  a'  Bhiobull,  ach  ged 
nach  robh  Cruden  ann  am  mhaileid-sa  anns  na 
laithean  ud,  bha  e  furasda  gu  leoir  dhomh  inn- 
seadh  dha  c'aite  am  faigheadh  e  iad.  Ach 
thubhairt  mi  ris,  "  Gu  de  air  an  t-saoghal  a 
chuir  ann  ad  cheann  na  facail  sin  ;  tha  mile 
earrann  eile  de'n  Sgriobtur  a  b'  fhearr  dhuit  a 
bhi  gleidheadh  air  do  chuimhne  na  na  facail 
sin." 

"  Theagamh  gu  bheil,"  fhreagair  e,  "  ach 
air  a  shon  sin,  bu  mhaith  leam  thusa  a  chluinn- 
tinn a'  searmonachadh  air  a'  cheann-theagaisg 
ud.  'Se  ministear  a  bha  'n  am  athair  fein  ; 
shiubhail  e  an  uair  a  bha  mise  gle  og,  agus  is 
e  aon  de  chuimhneachain  m'  oige  a  bhi  cluinn- 
tinn  m'  athar  a'  searmonachadh,  agus  ag 
eigheach  an  drasd  's  a  ris  anns  an  t-searmon, 
"  Ma  ruith  thu  leis  na  coisichean  agus  gu'n  do 
sgithich  iad  thu,  cionnus  idir  a  ni  thu  stri  ri 
h-eachaibh  ?  agus  ann  am  fearann  sithe  ged 
robh  agad  dochas,  gidheadh  ciod  a  ni  thu  ann 
an  onfhadh  lordain  }  "  Ged  bha  mi  cho  bg  's 
nach  do  thuig  mi  aon  fhacal  de'n  t-searmon 
lean  fuaim  nam  facal  ud  ann  am  chluasan 
corr  agus  deich  bliadhna  fichead,  agus  chan 
'eil  uair  a  chluinneas  mi  iad  fhathast  nach  'eil 
iad  a'  deanamh  maith  do  m'  anam,  oir  tha  iad 
a'  toirt  m'  athar  air  ais  gu  m'  chuimhne,  agus 
mo  dhachaidh  bhlath  shona  anns  a'  Mhanse, 
agus  samhchair  naomh  na  Sabaid  anns  an 
eaglais  air  maduinnean  samhraidh." 

Tha  iighdarras  aig  Facal  an  Tighearn  ann 
fein,  ach  tha  iighdarras  dubailte  aige  an  uair 
a  tha  e  air  a  cheangal  ri  cuinahneachain  bhlath 
air  ar  dachaidhean,  agus  air  ar  parantan,  agus 
air  teagasg  ar  parantan.  An  rud  a  dh'  ionn- 
saicheas  duine  aig  glim  a  mhathar,  no  a  chluinn- 
eas e  o  bhilean  athar,  tha  greim  aig  an  rud 
sin  air  inntinn  nach  'eil  aig  na  nithean  a  dh' 
ionnsaicheas  e  anns  an  sgoil  no  a  leughas  e  ann 
an  leabhraichean.     Air  uairean  ann  an  eaglais 


Bhlair  an  uair  a  bhios  mise  a'leughadh  earrannan 
sonruichte  as  a'  Bhiobull  chan  e  mo  ghuth 
fhein  a  bhios  mi  a'  cluinntinn  idir  ach  guth  eile 
a  tha  nis  tosdach  anns  an  uaigh,  an  guth  anns 
an  cuala  mi  na  facail  an  toiseach  mar  Fhacal 
Dhe  aig  aoradh  teaghlaich  ann  am  sheann 
dachaidh,  is  tha  iighdarras  air  a  thoirt  dhaibh 
do  mo  chridhe  nach  luaisgear  agus  nach  crioth- 
naichear  gu  brath  leis  na  beachdan  agus  na 
teagmhaidhean  m.u'n  Bhiobull  a  bhios  cuid  de 
na  h-ard-sgoilearan  a'  cur  'n  am  cheann.  Ach 
mo  thruaighe  a'  chlann  aig  nach  'eil  cuimhne 
air  Facal  an  Tighearn  a  chluinntinn  riamh  air 
bilean  an  athar  no  am  mathar. 

***** 

Ach  tha  an  t-am  agam  tighinn  air  m'ais  gu 
leremiah.  Bha  am  faidh  'n  a  dhuine  diiiid  gu 
nadurra  ach  bha  eud  diadhaidh  'na  chridhe  nach 
leigeadh  leis  a  bhi  'n  a  thosd  an  uair  a  bha  e 
a'  faicinn  a  luchd-diithcha  a'  dol  air  seachran 
o  Dhia.  Anns  a'  mhinistrealachd  a  ghabh  e 
OS  laimh  b'  fheudar  dha  a  shluagh  fein  a  chron- 
achadh  cho  geur  agus  laidir  's  gu'n  do  thog 
iad  'na  aghaidh,  a'  maoidheadh  cur  as  da.  An 
uair  a  rachadh  aon  chunnart  seachad  bha 
cunnart  eile  a'  bagradh  air,  agus  cunnart  a  bu 
mho  ;  an  uair  a  chuireadh  Dia  solus  dha  air 
aondeaeaireachd'nafhreasdalbhadeacaireachd 
iir  a'  tighinn  'n  a  inntinn,  agus  deacaireachd  a 
bu  mho.  Mar  sin  bha  e  'g  a  f haicinn  fhein  anns 
an  t-suidheachadh  so,  gu  robh  Dia  ag  radh  ris, 
Crioslaich  a  nis  do  leasraidh  agus  bi  duineil 
oir  tha  cunnartan  air  thoiseach  ort  a  dhearbhas 
do  mhisneach  na's  cinntiche  na  cunnart  air 
bith  a  thachair  ort  cheana  ;  ma  ruith  thu  leis  na 
coisichean  agus  gu'n  do  sgithich  iad  thu,  cionnus 
idir  a  ni  thu  stri  ri  eich  ?  agus  ann  am  fearann 
sithe  ged  robh  agad  dochas,  gidheadh  ciod  a  ni  thu 
ami  an  onfhadh  lordain  ? 

Tha  na  sgoilearan  uile  de'n  aon  bheachd  nach 
e  onfhadh  lordain  a  bu  choir  a  bhi  anns  an  rann 
so  ach  uaill  lordain,  agus  is  ann  mar  sin  a 
gheibhear  am  facal  anns  a'  cheartachadh  mu 
dheireadh  a  rinneadh  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig, 
gidheadh  ciod  a  ni  thu  ann  an  uaill  lordain  ?  Tha 
iad  ag  radh  gur  e  a  bha  ann  an  uaill  lordain 
ci'ioman  de  fhearann  fas  a  bha  air  bruach  na 
h-aibhne  anns  an  robh  feur  mor,  is  luachair,  is 
seiUsdeir,  is  preasan,  a'  fas  anns  am  biodh 
beathaichean  fiadhaich  'g  am  folach  fein,  a  dh' 
fheitheamh  air  cobhartach.  Bha  e  cunnartach 
do  dhuine  dol  a  steach  do'n  aite  sin,  agus  is  e 
an  smuain  a  chuir  Dia  ann  an  cridhe  leremiah, 
"  ged  tha  sith  agam  am  measg  mo  mhuinntir 
fein  ann  an  Anatot  ciod  a  ni  mi  ann  an  Uaill 
lordain,  no  ann  an  Jerusalem  a  chlachas  agus 
a  mharbhas  na  faidhean  ?  " 

Theagamh  gur  e  sin,  no  rudeigin  mar  sin,  a 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


tha  na  briathran  so  a'  ciallachadh  gu  litireil  ach 
chan  anil  anns  an  t-seagh  sin  a  bhiodh  na  seann 
diadhairean  'g  an  cleachdadh  an  uair  a  ghabhadh 
iad  an  earrann  so  mar  cheann-teagaisg.  Bhiodh 
iad  'g  an  gabhail  ami  an  doigh  a  b'  fharsuinge 
agus  a'  tarruing  bainne  agus  mil  asda  nach 
fhaighear  anns  an  Utir  hiim,  ag  earalachadh 
air  daoine  an  Tigheani  iarraidh  ann  an  laithean 
an  oige  m'  an  tig  na  bUadhnachan  breoite  tinn 
's  am  fas  air  an  inntinn  smal.  Mar  gu'n  abradh 
iad,  Sibhse  a  ni  dearmad  air  Dia  agus  air  Criosd 
ann  am  maduinn  ait  'ur  n-6ige,  an  uair  a  tha 
sibh  luath  laidir,  agus  cothrom  agaibh  air 
gabhail  ri  tairgse  an  t-soisgeil,  saoil  sibh  am 
bi  e  na's  fhasa  dhuibh  tionndadh  ri  Dia  aig  uair 
'ur  bais  ? 

Ann  an  stri  agus  spairn  a'  bhais,  an  uair  a 
bhios  fuil  agus  feoil  a'  failneachadh,  chan  e  sin 
an  t-am  do  dhuine  a  bhi  ag  iarraidh  reite  ri 
Dia.  Chan  ann  ann  an  la  na  stoirme  is  coir  do 
dhuine  fflic  a  thiffh  a  thuffhadh. 


Tha  fichead  abhainn  ann  as  motha  agus  as 
maisiche  na  abhainn  Jordan  ach  chan  'eil 
abhainn  eile  air  an  t-saoghal  air  a  bheil  ainm  a 
tha  labhairt  ri  cridheachan  dhaoine  mar  tha  an 
t-ainm  Jordan,  oir  do  mhoran  dhaoine  chan  e 
ainm  aite  a  tha  ann  an  lordan  idir  ach  suai- 
cheantas  no  samhladh  air  nithean  a  bhuineas 
do'n  bheatha  spioradail  agus  do  chuairt  mhic 
an  duine  air  thalamh.  Ciod  a  tha  ann  an  Jordan 
ach  an  t-aiseag  deireannach  a  tha  eadar  an 
saoghal  so  agus  tir  a'  gheallaidh  a  tha  air  an 
taobh  thall  ?  Ruigidh  sinn  uile  an  t-aiseag 
sinn  luath  no  mall  ;  ciod  ar  dochas  ?  Is  e 
dochas  sluagh  an  Tighearn  gu  bheil  fear-iiiil 
aca  d'  an  aithne  an  t-slighe,  a  theid  sios  do  na 
h-uisgeachan  maille  riu,  air  chor  agus  nach 
ruig  iad  a  leas  eagal  a  bhi  orra. 

Chaoidh  ma  leanas  mi  gu  teann  ris, 
Ciod  mo  bhiiannachd  uaitii  ? 
"  lordan  seachad,  clos  air  saothair, 
'S  crioch  air  truaigh." 


Aig  an  Uinneig 


Leabhar  maith 

THA  mi  daonnan  a'  leughadh  Miosachan  na 
h-Eaglais  Shaoir,  a  tha  air  a  dheasachadh  leis 
an  Urramach  Alasdair  Stiubhard,  D.D.,  an  Diin- 
eideann.  Thoisich  mi  air  a  leughadh  a  chionii 
gu'm  bu  mhaith  leam  na  duilleagan  Gaidhlig 
ann  f  haicinn  ach  lean  mi  air  a  leughadh  a  chionii 
gur  toigh  leam  beachdan  agus  smuaintean  an 
fhir-dheasachaidh,  agus  na  searmoin  a  bhios  e 
a'  toirt  dhuinii  a  h-uile  mios,  searmoin  air  a 
bheil  bias  na  sgoilearachd  agus  na  diadhaidh- 
eachd.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  do  cheannaich 
mi  bho  chionn  ghoirid  leabhar  iir  a  bha  air  a 
sgriobhadh  niu'n  fhaidh  Jeremiah  leis  an 
Ollamh  Alasdair  Stiiibhard,  agus  thaitinn  an 
leabhar  rium  cho  maith  's  nach  e  coibhneas  a 
tha  ann  dhomh  ach  dleasdanas  an  leabhar  a 
mholadh  air  an  duilleig  so,  los  aire  ar  luchd- 
leughaidh  a  tharruing  'g  a  ionnsuidh,  agus  gu 
sonruichte  aire  mhinistearan. 

Tha  dha  ar  fhichead  de  shearmoin  anns  an 
leabhar,  air  an  ceangal  ri  cheile  le  aon  ghad. 
Js  e  an  gad  sin,  beatha  agus  obair  Jeremiah,  is 
tha  an  cunntas  a  tha  air  a  dheanamh  an  toiseach 
an  leabhair  ait  beatha  agus  obair  an  fhaidh  cho 
soilleir  agus  cho  cothromach  's  gu'm  bi  e  'n  a 
chuideachadh  mor  eadhon  do  mhinistearan  an 
dealbh  so  a  bhi  aca  'n  an  inntinn  air  Jeremiah, 
dealbh  air  a  bheil  dreach  na  f  irinn. 

Bithidh  na  searmoin  so  buannachdail  do 
dhaoine  a  leughas  iad  a  chionn  gu  bheil  cud- 
throm  agus  gliocas  agus  teagasg  soisgeulach 
annta,  a  thuilleadh  air  sgoilearachd  agus 
eireachdas.  Ach  is  e  an  rud  as  fearr  a  tha 
annta  uile  gu  leir,  an  t-urram  a  tha  aig  an  f hear 
a  sgriobh  iad  do  Fhacal  an  Tighearn  agus  an 
dearbhachd  a  tha  aige  gur  e  am  Facal  sin  a 


mhain  a  bheir  beatha  agus  saorsa  do'n  t-saoghal. 
Theagamh  gu  bheil  fichead  aobhar  air  an  tior- 
machd  spioradail  a  tha  air  tuiteam  air  an  eaglais 
anns  na  laithean  so,  ach  tha  an  t-aobhar  so  ann 
gu  sonruichte,  gu  bheil  teagasg  nan  ard- 
sgoilearan  mu'n  Bhiobull  a'  dusgadh  teag- 
mhaidhean  mu  iighdarras  a'  Bhiobuill  aim  an 
inntinnean  shearmonaichean  a  tha  'n  deidh 
cumhachd  agus  dearbhachd  a  thoirt  bhuapa. 
Bu  mhaith  leam,  ma  ta,  gu'n  leughadh  mini- 
stearan  oga  anns  a'  Ghaidhealtachd,  an  Eaglais 
na  h-Alba  agus  anns  an  Eaglais  Shaoir,  leabhar 
an  Ollaimh  Alasdair  Stiubhard.  Bhiodh  sin 
chum  buannachd  dhaibh  an  da  dhoigh,  (1) 
chitheadh  iad  ciamar  a  bu  choir  dhaibh  sear- 
monachadh  agus  Facal  Dhe  a  laimhseachadh, 
agus  (2)  chitheadh  iad  am  beairteas  agus  an 
reamhrachd  a  tha  feitheamh  orra  aim  am 
faidheadaireachd  Jeremiah. 

Atharrachadh  nan  timeannan 

Ged  nach  'eil  an  iiine  fada  bho  thoisich  mi 
air  obair  na  ministrealachd  thainig  atharrachadh 
mor  air  doighean  dhaoine  anns  an  iiine  sin. 
Chan  'eil  seann  fhear  no  seana  bhean  anns  an 
sgireachd  so  bho  chionn  bhliadhnachan  air  an 
leabaidh  gun  a  bhi  ag  eirigh  aisde.  Tha  sin 
fior  a  thaobh  gach  aite  eile  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd. Bho  chionn  leth-cheud  no  tri  fichead 
bliadhna  bha  seann  daoine  anns  gach  baile  a 
bhiodh  air  an  leabaidh  gun  eirigh  fad  bhliadh- 
nachan. Ach  dh'  f  halbh  sin  gu  buileach.  Ciod 
an  t-aobhar  ?  Theagamh  gu  bheil  iomadh 
aobhar  air,  ach  tha  mi  an  diiil  gur  e  so  an  t- 
aobhar  as  motha,  an  ciiram  a  tha  Riaghladh  na 
diithcha  a'  gabhail  do  sheann  daoine  an  diugh, 
'g  an  ciobaireachd  agus  'g  an  dotaireachd  agus 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


a'  toirt  dhaibh  pensions.  Tha  sin  a'  toirt 
misneach  do  sheann  daoine  agus  a'  cumail 
sprachd  'n  an  inntinn  cho  maith  ri  fallaineachd 
'n  am  bodhig.  Tha  beo-shlaint  an  t-sluaigh 
na's  fhearr  an  diugh  air  chor  agus  nach  'eil 
uiread  cianalais  no  leann-dubh  'n  am  measg. 
Anns  na  seann  laithean  ghabhadh  fir  is  mnathan 
a  bha  car  gearanach  is  easlainteach  ris  an  lea- 
baidh  le  n  toil  fein  moran  bhliadhnachan  m'an 
tigeadh  a'  chrioch  orra,  agus  theagamh  gun 
chead  no  gun  chomhairle  dotair  iarraidh,  ach 
an  diugh  tha  ciobaireachd  nan  dotairean  cho 
teann  orra  's  nach  'eil  maith  dhaibh  fantuinn  's 
an  leabaidh  mur  bheil  dad  cearr  orra.  Ma  dh' 
fhanas  theagamh  gu'n  tig  Ard-chiobair  a  dh' 
aon  ghnothuch  a  Dim-eideann  'g  an  cur  aisde. 
An  f  headhainn  a  bhiodh  aon  uair  air  an  leabaidh 
aig  tri  fichead  gheibhear  iad  an  diugh  a'  cluich 
golf  aig  ceithir  fichead,  agus  a  hbilich  as  an 
cuimse  leis  a'  hhall. 

Tha  atharrachadh  eile  a'  tighinn  air  doighean 
dhaoine  ;  chan  'eil  teaghlaichean  an  diugh  cho 
toileach  air  frithealadh  do  aon  dhiubh  fein  a 
tha  tinn  no  'n  a  uallach  do  chach,  ma  tha  an 
tinneas  no  an  t-uallach  a'  marsuinn  fada.  Anns 
na  seann  laithean  fhrithealadh  daoine  d'an 
cuideachd  fein  fad  bhliadhnachan  gun  sgiths 
gun  ghearan,  ach  an  diugh  ma  leanas  an  tinneas 
na's  fhaide  na  seachduin  no  dha,  cuirear  an 
duine  tinn  do  Dhachaidh  air  choreigin  far  nach 
bi  e  'na  dhragh.  Chan  e  uile  gu  leir  cion  coibh- 
neis  as  aobhar  do'n  fhasan  iir  so  ach  an  deidh 
a  tha  aig  daoine  air  a  bhi  saor  bho  gach  cuing 
is  ceangal  a  chumadh  fo  spag  an  uaireadair  iad. 
Cha  toigh  leo  rud  air  bith  a  bhios  'n  a  dhragh 
dhaibh,  agus  a  chionn  gu  bheil  e  'n  a  dhragh 
dhaibh  seann  duine  no  duine  tinn  a  bhi  air  an 
curam  a  la  agus  a  dh'  oidhche  is  fhearr  leo  an 
cur  do  Thigh-Fois  no  do  Thigh-eiridinn  agus 
paidheadh  air  an  son  seach  an  cumail  aig  an 
tigh.  Aon  uair  cha  bu  mhaith  le  daoine 
lamhan  choimheach  a  bhi  timchioll  air  a' 
mharbh,  ach  an  diugh  fagar  an  neach  a  shiu- 
bhail  ann  an  ospadal  ann  an  Tigh-nam-marbh 
gu  la  an  tiodhlacaidh  gun  a  thoirt  dhachaidh 
gu  chuideachd  fein  idir,  is  paidhear  an  coimh- 
each  air  son  sheirbhisean  caomhail  a  b'  abhaist 
a  bhi  air  an  deanamh  gu  gradhach  agus  gu 
toileach  le  daimhich.  Theagamh  gu  bheil  a' 
ghineal  6g  na's  pongaile  anns  na  ciiisean  so  na 
bha  an  aithrichean,  agus  gu  bheil  an  t-atharr- 
achadh  so  reusonta  gu  leor,  ach  gu  cinnteach 
cha  toigh  leam  e.  Is  blath  an  fhuil  ;  b'  fhearr 
leam  lamhan  mo  chuideachd  fein  a  bhi  timchioll 
orm  an  am  na  h-airce  seach  a  bhi  an  urra  ri 
iochd  a'  choimhich. 

Eaglais  an  Naoimh  Oran 

Chaill  an  eaglais  so,  an  Dim-eideann,  da 
fhoirbheach  a  rainig  aois  mhor,  Eoghan  Cam- 
shron  agus  Iain  MacLiicais,  a  bha  le  cheile 


ceithir  fichead  agus  a  dha  dheug  a  dh'  aois. 
Anns  an  t-Seann  Tiomnadh  tha  laithean  buan 
agus  saoghal  fada  agus  sith  air  an  gealltuinn 
do'n  fhirean  ;  bha  eagal  an  Tighearn  do'n 
dithis  ud  'n  a  smior  d'  an  cnamhan. 

An  dream  tha  air  an  suidheachadh 

an  tigh  's  an  aros  Dhe, 
An  ciiirtibh  greadhnach  ard  ar  Dia 

sior-fhasaidh  iad  gach  re 

Bha  Eoghan  Camshron  'na  fhear-comanach- 
aidh  tri  fichead  bliadhna  agus  a  tri,  agus  leth- 
cheud  bliadhna  'n  a  fhoirbheach.  Bhuineadh  e 
do  Rainneach,  an  siorramachd  Pheairt  ;  fior 
Ghaidheal  de  'n  t-seann  stoc  nach  'eil  na's 
fearr  ri  f  haotainn  an  aite  air  bith. 

Rugadh  Iain  MacLiicais  an  I  Chaluim-cille  ; 
an  laithean  oige  chaidh  e  do  Shasunn  far  an 
do  chuir  e  seachad  cuid  mhaith  d'a  bheatha, 
ach  o  chionn  deich  bhadhna  fichead  thainig  e 
do  Dhim-eideann.  Fad  na  h-iiine  a  bha  e  an 
Dim-eideann  bha  e  'na  fhear-cuideachaidh 
taiceil  an  eaglais  an  Naoimh  Oran  ;  dileas  do'n 
mhinistear,  coibhneil  is  truacanta  ri  daoine  a 
bha  bochd  le  tinneas  no  'n  an  crannchur.  Dh' 
fhaodadh  e  a  radh  mu  eaglais  an  Naoimh  Oran 
mar  thubhairt  an  Salmadair  mu  Shion,  "  tha 
do  sheirbhiseach  a'  gabhail  thachd  'n  a  clach- 
aibh,"  oir  cha  robh  rud  air  an  t-saoghal  a  b' 
fhearr  leis  na  bhi  cur  maise  air  an  eaglais  a  mach 
's  a  stigh. 

Call  do'n  Eaglais 

Air  a  mhios  a  chaidh  seachad  thainig  call  mor 
air  Eaglais  na  h-Alba  le  bas  an  diadhair  urra- 
maich,  an  t-Ollamh  H.  R.  Mac  an  Toisich,  a 
shiubhail  gu  h-obann  an  Steornabhagh.  Bha 
e  'na  dhuine  maith  agus  'n  a  dhuine  mor  air 
gach  doigh,  ach  a  mhain  nach  robh  e  mor  as 
fhein.  Choisinn  e  gach  onoir  a  ghabhadh  cos- 
nadh  an  Oil-thigh  Dhim-eideann  ;  thug  an 
eaglais  gach  irrram  dha  as  urrainn  fear-teagaisg 
fhaotainn  ;  rainig  a  chhii  agus  a  leabhraichean 
America  agus  a'  Ghearmailt,  is  bhiodh  Par- 
taich  is  Medich  is  Elamaich  a'  tighinn  do'n  Chol- 
laist  Ur  an  Dun-eideann  a  dh'  aon  ghnothuch 
gus  a  chluinntinn,  ach  a  dh'  aindeoin  sin  uile 
bha  e  cho  iriosal  's  nach  saoileamaid  gu  robh 
ann  ach  ar  leithid  fein.  Ach  cha  robh  leithid 
an  duine  ud  ri  fhaotainn  ach  annamh  eadhon 
am  measg  nan  ard-sgoilearan  ;  chan  e  mhain 
gu  robh  eolas  farsuing  aige  ach  bha  inntinn 
agus  tuigse  agus  breithneachadh  aige  a  bha 
air  an  soillseachadh  agus  air  an  naomhachadh 
leis  a'  ghUocas  a  ta  o  shuas.  Bha  aite  dha 
fhein  aige  am  measg  luchd-teagaisg  na  h-Alba 
oir  cha  robh  duine  eile  anns  a'  ghineal  so  a  rinn 
uiread  seanchais  ri  oileanaich  oga  air  na  ceistean 
mora  a  tha  dliith  ri  fior  chridhe  a'  Chreidimh  's  a 
rinn  an  t-Ollamh  Mac  an  Toisich.  Tha  cuid  de 
chach  nach  'eil  ach  a'  dranndanaich  gun  sgur 
mu  nithean  beaga  agus  tioram  anns  nach  'eil 


AIG  AN  UINNEIG— ARD  SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


moran  feuma,  ach  bha  esan  daonnan  a'  buntainn 
ris  na  nithean  mora  ris  am  faodar  diomhaireachd 
na  Diadhachd  a  radh.  Bha  a  chridhe  amis  an 
t-soisgeul  agus  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil  ; 
cha  mhor  de  luchd-teagaisg  nan  Oil-thighean 
a  rinn  uiread  searmonachaidh  ris,  is  bha  e  cho 
simpUdh  agus  cho  soilleir  agus  cho  druidhteach 


anns  a'  chubaid  's  a  bha  e  am  measg  nan  oil- 
eanach.  Bu  duine  e  nach  trie  a  chithear  a 
leithid,  sgoilear  maith,  fear-teagaisg  a  chuir 
siol  ann  an  inntinnean  dhaoine  eile  a  bhios  a' 
giixlan  toraidh  fad  iomadh  latha,  agus  na's 
fhearr  na  sin  uile,  duine  anns  an  robh  cumhachd 
na  diadhaidheachd. 


Ard  Sheanadh  na  h-Eaglais 

Leis  an  Uhramach  Alasdaih  Mac  Fhionghuin,  Ph.D. 


MAR  a  tha  fhios  aig  an  leughadair  choinnich 
ard  chiiirt  na  h-Eaglais  mar  is  gnath  leatha 
ann  an  Dun-Eideann  re  dheich  laithean  de  'n 
Og-mhios,  a  chluinntinn  iomraidh  air  gach 
earrann  d'a  saothair  anns  an  duthaich  so,  agus 
air  feadh  an  t-saoghail  ;  agus  a  thoirt  breith 
air  ciiisean  de  iomadh  gne  a  bha  am  feum 
orduchaidh. 

Cha  chreid  mi  gu  bheil  Parlamaid  anns  an 
t-saoghal  uile  cho  lionmhor  aireamh  agus  cho 
statail  giiilain  ris  an  Ard  Sheanadh.  Tha  suas 
ri  seachd  ceud  deug  ball  ann  an  coir  suidhe 
innte.  Aig  am  a  fosglaidh,  an  uair  a  tha  an 
Ceann-suidhe  deas  gu  tighinn  a  stigh  do'n  talla, 
tha  oifigeach  ag  eigheach  "  An  Ceann-suidhe  "  ; 
agus  tha  na  buill  uile  ag  eirigh  'n  an  seasamh, 
gus  an  ruig  esan  a'  chathair,  is  an  ceadaich  e 
dhoibh  suidhe.  Nithear  an  gluasad  ceudna  ri 
lonadair  an  Righ  cho  luath  is  a  thig  e  a  lathair, 
ged  nach  eil  esan  air  eigheach  le  oifigeach  air 
bith.  An  deidh  sin,  seinnear  salm  gun  chuid- 
eachadh  o  inneil,  leughar  cuibhrionn  de  'n 
Sgriobtur,  agus  theid  an  Ceann-suidhe  ann  an 
ceann  urnuigh.  Is  ann  mar  sin  a  dh'  fhosglar 
gach  seisein.  An  deidh  an  aoraidh,  thatar 
a'dol  an  caramh  e-nothuich  an  latha. 


Cha  b'urrainn  dhomh  gun  a  bhi  a'  breith- 
neachadh  le  taingealachd  air  meud  na  sochair 
a  tha  sinn  a'  sealbhachadh  anns  an  diithaich  so 
an  coimeas  ri  eaglaisean  eile  air  feadh  na  Roinn- 
Eorpa  :  sinne  a'  coinneachadh  fo  dhion  an 
lagha,  a'  mealtuinn  deadh-ghean  an  Righ  agus 
^  Uachdranachd  na  diithcha  cho  maith  ri  saorsa 
coguis  agus  facail,  am  feadh  is  a  tha  moran  d'ar 
braithrean  anns  a'  Chreidimh  air  an  ciurradh 
le  uachdarain  bhreuna,  air  am  bacadh  le 
laghanna  searbh,  fo  throm  dhaorsa  agus  dhiomb. 
Gun  teagamh  fhuair  Eaglais  na  h-Alba  a  cuid 
fein  de  thruaighean  agus  de  fhulangas  roimhe 
so  ;  agus  cha  chuirinn  geall  nach  'eil  latha 
deuchainn  a'  dliithachadh  oirre  a  rithist,  a 
dh'aindeoin  coltais  fabhair  aig  an  am  ;  oir  tha 
ceist  sholaimte  agus  chunnartach  fa  chomhair 
na  h-Eaglais  anna  na  bliadhnachan  so  ;  'se  sin 
am  bheil  e  ceadaichte  do  Chriosduidh  pairt  a 
ghabhail  ann  an  cogadh  ?     Tha  aireamh  mhor 


an  diugh  a'  creidsinn  gur  e  toibheum  uamhasach 
a  tha  anns  a'  bheachd  gu  bheil  e  ceadaichte  do 
dhuine  dol  a  mach  a  mharbhadh  a  chomh- 
chreutair  no  a  bhrathar  anns  a'  chreidimh,  ann 
an  ainm  losa  Criosd.  A  reir  an  tuigse-san  air 
teagasg,  agus  eiseimpleir  an  Fhir-Shaoraidh, 
cha  ghabhadh  deanadas  duine  dol  na  bu  diriche 
an  aghaidh  a  thoile-san  na  gu'n  rachadh  e  a 
mach  le  gunna  is  beigeineid  is  puinnsean  a 
sgrios  agus  a  leonadh  dhaoine. 

Air  an  laimh  eile,  tha  a  mhor-chuid  de'n 
t-sluagh  a'  creidsinn,  uamhassach  is  mar  a  tha 
cogadh,  gur  fearr  e  na  leigeil  le  namhaid  cuing 
eucorach  a  chur  m'ar  muineal,  agus  traillean 
a  dheanamh  dhinn  ;  agus  amhuil  is  coir  do 
dhuine  a  bheatha  fein  agus  beatha  a  choimh- 
earsnaich  a  dhionadh  agus  a  choimhead,  gur 
coir  dha  mar  an  ceudna  a  dhuthaich  a  sheasamh 
an  aghaidh  spiiineadair,  agus  smachd  a  chur 
le  cumhachd  arm  orrasan  nach  gabh  ceann- 
sachadh  air  dhoigh  eile.  Theireadh  iadsan 
mur  'eil  so  comh-reidh  ri  teagasg  Chriosd, 
nach  'eil  comas  air  ach  an  teagasg  sin  a  dhi- 
chuimhneachadh.  Is  i  so,  ma  ta,  a  cheist  a 
tha  mar  bheirm  ann  an  inntinn  na  h-Eaglais 
anns  na  laithean  so.  Bithidh  i  fa  chomhair  an 
Ard  Sheanaidh  an  ath  bhliadhna  ;  agus  na  'n 
tachradh  e  gu  'm  mallaicheadh  an  Seanadh  gach 
seorsa  cogaidh  a  sgriosas  daoine,  cha  chreid  mi 
gu'm  b'  fhada  gus  an  atharraicheadh  fabhar 
na  Staide  gu  fuath.  Chan  'eil  fhios  co  dhiubh 
a  thachras  sin,  no  nach  tachair.  Aig  an  am, 
tha  an  latha  maith,  is  an  soirbheas  ciiiin  ;  tha 
an  Eaglais  ann  an  suidheachadh  neo-chumanta 
ion-mhianntachail  ;  agus  thigeadh  e  dhuinn 
uile,  chan  e  a  mhain  a  bhi  taingeil,  ach  mar  an 
ceudna  a  bhi  eudmhor  'n  ar  dreuchd  agus  'n  ar 
seirbhis  ann  an  aobhar  Chriosd,  ma  tha  sinn  gu 
feum  ceart  a  dheanamh  d'ar  cothrom,  agus  gu 
bhi  airidh  air  sochairean  cho  saoibhir.  An 
aitibh  aoibhneach  thuit  ar  lion  ;  's  leinn 
oighreachd  bhreagh  nach  gann. 

***** 

An  Seanadh  ro  mhor 

Chuala  mi  cuid  a'  gearan  gu  bheil  Mreamh 
an  t-Seanaidh  fada  tuilleadh  is  lionmhor  airson 
ciiisean    na    h-Eaglaise    a    rannsachadh    agus 


8 


ARD  SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


buntainn  riu  le  gliocas.  Farraidich  iad,  chan 
ann  gun  reusan  :  ' '  Ciamar  is  urrainn  do  sheachd 
ceud  deug  duine  tighinn  gu  comh-chordadh 
ann  an  iiine  ghoirid  a  thaobh  gnothuich  air  bith 
a  tha  draghail  ri  a  reiteachadh  !  "  Their  iad 
mar  an  ceudna  :  "  Mur  'eil  guth  laidir  aig 
duine  a  dh'  eireas  a  thoirt  beachd  air  aghaidh 
anns  a'  Chomhairle  ud,  cha  chluinnear  e  ach 
ri  bronagail  ;  agus  ann  am  mionaid,  eiridh 
glaodh  is  iipraid  m'a  thimchioll  a  chuireas  'n 
a  chabhaig,  agus  an  sin  'n  a  shuidhe  e.  Ach 
faodaidh  deadh  cheann  a  bhi  air  fear  aig  nach 
'eil  ach  guth  fann  ;  agus  faodaidh  barrachd 
fuaim  na  gliocas  a  bhi  ann  an  guth  na  trompaid. 
Mar  sin,  tha  an  Seanadh  a'  call  comhairle 
buidheann  nach  beag  de  fheadhainn  ghlice, 
agus  ag  eisdeachd  ri  feadhainn  eile  d'an  robh 
cho  maith  a  bhi  'n  an  tosd.  Tha  an  t-am  an 
aireamh  mhi-reusonta  ud  a  ghearradh  a  sios. 
Dh'  fhoghnadh  a'  cheathramh  cuid  dhi  air  son 
a  ghnothuich." 

Tha  so  uile  gle  phongail  ;  agus  co  a  their 
nach  tig  lughdachadh  nach  beag  air  an  t- 
Seanadh  ri  tim.  Ach  ma  thig,  tha  eagal  orm 
gur  motha  a  bhios  de  chall  na  de  bhuannachd  'n 
a  lorg.  Chan  'eil  sinn  ri  bhi  a  di-chuimh- 
neachadh  a  bhrosnuchaidh  spioraid  agus  an 
fharsuingeachadh  tuigse  a  tha  ri  'm  faotainn 
anns  a'  chomhdhail  mhoir  ud ;  nithean  a  tha 
priseil  araon  do  mhinisteirean  agus  do  fhoirfich. 
Tha  iad  a'  faighinn  seallaidh  is  a  cluinntinn 
iomraidh  air  meud  na  h-oibre  anns  am  bheil  an 
Eaglais  an  sas  araon  anns  an  dtithaich  againn 
fein,  agus  ann  an  diithchannan  cein.  Eisdidh 
iad  an  sud  ri  seirbhisich  inbheach  as  gach 
cearn  de  'n  domhan  ;  agus  gheibh  iad  fadadh 
is  comhf  hurtachd  air  ana  bheil  feum  aca,  mar 
nach  faigh  iad  air  dhoigh  eile.  Do  bhrigh  sin, 
cha  chreid  mi  gu  'm  biodh  e  a  chum  maith  na 
h-Eaglaise  a  leithid  sud  dechothrom  adheanamh 
ainneamh  dhoibh.  A  thaobh  cheistean  agus 
chuisean  a  tha  ag  agairt  rannsachaidh  agus 
reiteachaidh,  tha  fhios  againn  ciamar  a  tha  an 
leithidean  sin  air  buntainn  riu  a  cheana  : 
cuirear  iad  an  toiseach  gu  Committee,  far  an 
cluinnear  an  guth  fann  cho  maith  ris  an  trom- 
paid, far  an  laigh  an  t-uan  ri  taobh  na  leoghainn 
gun  chiiram.  Theid  iadsan  an  caramh  nan 
gnothuch  ud  gu  reidh,  gun  chabhaig,  'g  an 
tionndadh  is  'g  an  cireadh  le  reusonachadh  gus 
am  bi  iad  cho  sliogta,  an  uair  a  bheirear  iad  fa 
chomhair  an  t-Seanaidh,  is  nach  bi  dragh  annta 
ach  mar  a  b'  abhaist.  Mar  sin,  air  leam  nach 
'eil  grunnd  a'  ghearain  cho  laidir  is  a  shaoileas 
cuid  ;  CO  dhuibh  nach  'eil  e  na  aobhar  laidir  gu 
leoir  air  son  gu'n  rachadh  an  tuagh  a  thogail 
ri  Seanadh  mor  na  h-Eaglaise. 

***** 

Aireamh  an  luchd-comanachaidh 
Ag  amharc  air  iomradh  staid  na  h-Eaglais 
'n  ar  dtithaich  fein,  tha  e  fior  nach  'eil  aireamh 


ar  luchd-comanachaidh  uile  gu  leir  cho  ard  is 
a  bha  i  an  uiridh  ;  ach  air  a  shon  sin,  tha  e 
soilleir  gu  bheil  earann  chumhachdach  de'n 
t-sluagh,  chan  ann  a  mhain  fo  bhuaidh  an 
t-soisgeil,  ach  mar  bhuill  fhoUaiseach  anns  an 
Eaglais.  Tha  sinn  an  comhnuidh  a'  cluinntinn 
gu  bheil  an  sluagh  a'  tuiteam  air  falbh  ann  an 
tomhas  mor  o  fhrithealadh  mheadhonan  nan 
gras.  Feumaidh  tomhas  air  chor-eigin  de  'n 
fhirinn  a  bhi  anns  an  tuairisgeul  sin.  Air  an 
laimh  eile,  tha  muillein,  da  cheud  ceithir 
fichead  is  a  h-ochd  mile  agus  sia  ceud  (1 ,288,600) 
de  shluagh  na  diithcha  a'  tighinn  a  dh'  ionnsaidh 
bord  a'  Chomanachaidh.  A  nis,  chan  'eil  ach 
mu  choig  muillein  duine  ann  an  Albainn  uile. 
Dhiubh  sin,  tha  buidheann  nach  beag  aig  a' 
Phap  ;  agus  buidheannan  laidir  aig  eaglaisean 
eile.  Leis  a  sin,  a  dh'  aindeoin  na  their  cuid, 
is  iomadh  aimsir  a  bu  mhiosa  ann  an  eachdraidh 
na  h-Eaglaise  na  'n  tim  a  tha  a  lathair.  Cha 
chreid  mi  nach  b'  ainneamh  na  h-aimsirean 
anns  an  robh  tuilleadh  de  'n  t-sluagh  a'  deanamh 
aidmheil  f  hollaisich  air  an  creidimh.  Rud  eile  : 
cha  tig  a  bheag  an  diugh,  a  reir  mo  bheachd-sa 
CO  dhiubh,  gu  bord  an  Tighearna,  mur  'eil  iad 
fo  tharruing  grais  Dhe  ;  oir  tha  saorsa  am 
beachd  agus  an  toil  fein  aca  ;  agus  cha  ghabh 
a  bheag  dhiubh  ceum  cho  cudthromach  a 
thoileachadh  neach  air  bith,  mur  'eil  iad  air  an 
gluasad  'n  an  spiorad  fein.  N'an  tigeadh  latha 
fionnaireachaidh  o'n  aird  air  an  aireamh  mhoir 
so  de  dheisciobuil  Chriosd,  chruth  —  athar- 
raicheadh  iad  an  dtithaich,  dhuisgeadh  na 
mairbh,  agus  rachadh  araon  mor  an  saoibhreis 
agus  moran  sheirbhiseach  a  choisrigeadh  a 
chum  an  fhogharaidh,  a  tha  a'  dol  a  dholaidh 
an  diugh  le'n  cion. 

Bailtean  ura 

Tha  fhios  againn  uile  mu  'n  atharrachadh 
mhor  a  tha  dol  air  aghaidh  anns  an  dtithaich 
mu  dheas  ;  mar  a  tha  bailtean  ura  air  eirigh 
taobh  a  muigh  nam  bailtean  mora,  anns  am 
bheil  moran  mhiltean  de  shluagh  a  tha  bochd 
'n  an  crannchur.  Tha  e  soilleir  gur  e  fior 
dhleasdanas  Eaglais  na  h-Alba  frithealadh 
dhoibh-san  agus  d'  an  cloinn,  ann  an  gnoth- 
uichean  spioradail.  Cha  ghabh  sin  deanamh 
gun  tighean-coinneamh  agus  eaglaisean  lira 
a  thogail  'n  am  measg.  Da  bhliadhna  air  ais, 
dh'  iarradh  oirnn  suim  mhor  airgid  a  thogail — 
naoi  fichead  mile  punnd  Sasunnach  (£180,000) 
ann  an  tri  bhadhna.  Dh'  aithriseadh  aig  an 
t-Seanadh  gu'n  d'  fhuaradh  a  cheana  mu  ochd 
fichead  mile  (£160,000).  Is  aobhar  taingeal- 
achd  so  nach  beag,  agus  is  maith  an  comharradh 
e.  Tha  ministeirean  'g  an  suidheachadh, 
comhthionailean  'g  an  cruinneachadh,  agus  an 
oigridh  'g  an  teagasg  ann  an  oilein  an  Tighearna 
anns  na  cearnaibh  ura  ud. 

(Ri  leantuinn) 


Aireamh  8 


93 


Am  Facal  Nach  Gabh  Muchadh 

'  Agus  tharladh  an  uair  a  leugh  lehudi  tri  no  ceithir  earrannan,  gw'n  do  ghearr  e  leis  an  sgein-phinn  e, 
agus  tkilg  e  anns  an  teine  a  bha  air  an  teinntean  e,  gus  an  robh  an  cldr  gu  h-iomlan  air  a  chaitheamh." — 
Iehemiah,  xxxvi.  23. 


GED  bu  ghlic  agus  bu  dhiadhaidh  an  duine 
losiah  righ  ludaih,  cha  robh  'na  mhic  ach 
dill  nam  fear.  Tha  sin  gle  thric  a'  tachairt, 
clann  air  an  togail  ann  an  dachaidhean  cliiiteach 
a  tha  'n  an  naire  is  'n  am  bristeadh-cridhe  d'  am 
parantan.  Ann  an  leabhar-eachdraidh  righ- 
rean  ludaih  chan  'eil  aon  ainm  as  cliiitiche  na 
losiah.  O  bha  e  'na  bhalach  bg  gus  an  do 
chriochnaich  e  a  bheatha,  an  deidh  dha  riogh- 
achadh  aon  bhliadhna  deug  ar  f  hichead,  ghluais 
e  ann  an  slighean  ceart,  a'  toirt  umhlachd  do 
lagh  an  Tighearna  agus  a'  toirt  eisiompleir 
mhaith  d'a  shluagh.  Chuir  e  air  falbh  as  an 
diithaich  iodhol-aoradh  is  aoradh-greine,  leann- 
ain-shith  is  luchd-fiosachd,  agus  droch  chleach- 
danna  eile  a  bha  cur  an  t-sluaigh  air  seachran  o 
Dhia,  agus  steidhich  e  an  creideamh  air  leabhar 
an  lagha.  Is  e  an  teisteanas  a  f  huair  e  o  luchd- 
eachdraidh  ludaih,  "  Rinn  e  an  ni  a  bha  ceart 
ann  an  siiilibh  an  Tighearna,  agus  dh'  imich  e 
ann  an  uile  shUghe  Dhaibhidh  'athar,  agus  cha 
do  chlaon  e  a  dh'  ionnsuidh  na  laimhe  deise  no 
na  laimhe  clithe." 

Chuir  an  sluagh  lehoahas  air  a'  chriin  an 
deidh  'athar,  ach  cha  do  rioghaich  e  ach  tri 
miosan  ann  'an  lerusalem.  Chuir  e  an  suar- 
achas  comhairlean  is  cleachdannan  'athar  ; 
thoisich  an  rioghachd  air  dol  air  a  h-ais,  agus 
ann  an  iiine  ghoirid  thug  righ  na  h-Eiphit  air 
falbh  am  braighdeanas  e. 

Uabhar  na  h-inntinn  nadurra 

An  sin  chuireadh  lehoiacim  a  bhrathair  'na 
righ,  ach  cha  b'  esan  dad  a  b'  fhearr.  An  aite 
a  shiiilean  a  bhi  air  am  fosgladh  le  droch  dhean- 
adas  a  bhrathar  agus  an  deireadh  truagh  gus 
an  tainig  e  bha  e  mar  dhuine  a  bha  suidhichte 
air  cron  a  dheanamh  dha  fein  is  d'a  shluagh. 
Chan  eisdeadh  e  ri  comhairle  ;  cha  robh  suim 
aige  do  lagh  an  Tighearna  no  urram  d'a  Fhacal, 
gus  mu  dheireadh,  an  uair  a  thug  am  Facal  sin 
oilbheum  d'a  inntinn  uaibhrich,  an  do  shrachd 
e  na  duilleagan  air  an  robh  e  sgriobhta  agus  an 
do  thilg  e  anns  an  teine  iad.  Sin  an  naidheachd 
a  tha  againn  anns  na  briathran  so  a  leabhar 
leremiah. 

Thug  Dia  iomadh  cothrom  do  lehoiacim. 
Tha  Dia  a'  deanamh  sin  daonnan.  Tha  e  mall 
chum  feirge  agus  pailt  ann  an  trocair.  An 
uair  nach  eisdear  ri  aon  teachdaire  cuiridh  e 
teachdaire  eile  ;  an  uair  a  dhiultar  a  chuireadh 


cha  diiin  e  an  dorus  le  feirg.  O  !  c6  as  urrainn 
labhairt  air  fad-fhulangas  an  Tighearna  agus 
faidhidinn  an  Spioraid  Naoimh  mar  bu  choir  ! 
Mur  biodh  an  Spiorad  Naomh  caomhail  is 
faidhidinneach  cha  bhiodh  eadhon  an  t-aon  as 
fhearr  againn  air  a  thearnadh,  oir  mhiich  sinn  a 
ghuth  agus  a  rabhaidhean  fichead  is  mile 
uair ;  mhiich  sinn  e  cho  trie  's  gur  e  iongantas 
nan  iongantasan  nach  d'  thug  e  suas  dochas 
dhinn. 

Ach  tha  gradh  Dhe  na's  faidhidinniche  na 
daoine  ;  fuilgidh  e  na  h-uile  nithean  ;  creididh 
e  na  h-uile  nithean  ;  gitilainidh  e  na  h-uile 
nithean.  Fuilgidh  e  tair  is  eas-urram  nach 
fuiling  gradh  dhaoine  ;  cha  chaill  e  a  dhochas 
do  dhaoine  air  an  do  thionndaidh  eadhon  an 
daimhich  fein  an  cul  ;  leanaidh  e  iad  gu  ciiiin 
caomhail,  an  dochas  gu'n  tig  iad  thuea  fein  agus 
gu'n  eisd  iad  ris  an  impidh  bheannaichte  a  tha 
e  a'  cur  orra.  O  !  nach  uamhasach  am  peacadh 
e  gu  bheil  daoine  a'  cur  a'  ghraidh  chaoimh  so 
an  suarachas  ;  gu  bheil  Spiorad  faidhidinneach 
an  Tighearna  a'  stri  riu  gun  sgur  agus  gun 
iad  a'  toirt  eisdeachd  no  urram  d'a  ghuth  !  Am 
measg  gach  peacadh  d'a  bheil  daoine  ciontach  a 
bheil  peacadh  eile  as  miosa  na  so,  gu  bheil  iad 
a'  deanamh  dimeas  air  gradh  cho  mor ;  a' 
tionndadh  an  ciiil  air  an  aon  Charaid  as  caomh- 
aile  agus  as  maisiche  agus  as  blaithe  air  an 
cualas  riamh  iomradh  ? 

Faidhidinn  Dhe 

Na'n  robh  Spiorad  Dhe  mar  dhuine  cha  do 
lean  e  air  stri  ri  lehoiacim  cho  fada  's  a  rinn  e, 
oir  chruadhaich  an  righ  amaideach  a  chridhe 
anns  an  olc.  Smachdaich  Dia  e  le  slat  a' 
ghraidh  uair  an  deidh  uaire ;  thug  e  cothrom 
an  deidh  cothroim  dha,  ach  cha  do  rinn 
lehoiacim  aithreachas.  Gun  a  bhi  a'  tighinn 
thairis  aig  an  am  so  air  doighean  eile  anns  an  do 
labhair  e  ris  'na  f  hreasdal  agus  ann  an  cuisean  a 
rioghachd,  chuir  e  am  faidh  Uriah  thuige  a 
dh'innseadh  dha  mu  olcas  a  riaghlaidh  agus  a 
thoirt  rabhaidh  dha  eucoir  a  threigsinn,  ach  is 
e  na  thainig  as  a  sin  gu'n  do  mharbh  e  Uriah  leis 
a'  chlaidheamh  agus  gu'n  do  thilg  e  a  chorp  ann 
an  uaighean  nan  daoine  coitchionn.  Dh'  f  heuch 
e  ri  greim  fhaotainn  air  an  fhaidh  leremiah 
cuideachd,    a    bha    deanamh    faistneachd    an 


2 


AM  FACAL  NACH  GABH  MUCHADH— ANNS  A'  CHATHAIR 


aghaidh  ludaih,  ach  shaor  Dia  a  sheirbhiseach 
as  a  laimh, 

Shaoileamaid  gu'n  leigeadh  Spiorad  an  Tigh- 
earna  a  nis  le  lehoiacim  a  rathad  fein  a  ghabhail, 
agus  nacli  biodh  aithreachas  ann  dha  na's  mo, 
ach  bha  lamhan  an  Tighearna  air  an  sineadh  a 
mach  thuige  eadhon  fathast.  "  Co  an  Dia  ann 
a  tha  cosmhuil  riut-sa,  a  mhaitheas  aingidh- 
eachd,  agus  a  ghabhas  seachad  air  eusaontas  do 
shluaigh ;  cha  ghleidh  e  a  chorruich  gu  siorr- 
uidh  oir  is  toigh  leis  trocair." 

Cha  d'  thug  Dia  thairis  lehoiacim  a  dh'  ain- 
deoin  a  cheannairc  is  aingidheachd  ;  aon 
chothrom  eile  thug  e  dha  air  aithreachas  a 
dheanamh.  Le  beul  an  fhaidh  leremiah  chuir 
e  teachdaireachd  thuige  a'  toirt  rabhaidh  dha 
mu'n  chrich  a  bha  roimhe.  Bha  an  teachdair- 
eachd so  air  a  sgriobhadh  air  clar-sgriobhaidh  fo 
laimh  Bharuich,  agus  air  a  leughadh  ann  an  tigh 
an  Tighearna  agus  ann  an  eisdeachdan  t-sluaigh. 
Dh'  innis  na  h-uaislean  do  lehoiacim  mu'n 
fhaistneachd  so  a  rinn  leremiah,  agus  "  an  sin 
chuir  an  righ  lehudi  a  thoirt  a'  chlair  d'a  ionn- 
suidh,  agus  laugh  lehudi  e  ann  an  eisdeachd  an 
righ."  Mar  a  chuala  lehoiacim  an  teach- 
dairechd  a  chuir  Dia  thuige,  an  aite  eagal  a 
ghabhail  is  ann  a  ghabh  e  fearg  ;  spion  e  an 
clar  air  an  robh  Facal  an  Tighearna  a  laimh 
lehudi  ;  ghearr  e  leis  an  sgein-phinn  e,  agus 
thilg  e  anns  an  teine  e,  gus  an  robh  an  clar  gu 
h-iomlan  air  a  losgadh. 

Am  a  bhinne 

An  uair  a  rinn  lehoaicim  sin  bha  la  nan  gras 
seachad  dha  ;  thug  Spiorad  faidhidinneach  an 
Tighearna  suas  dochas  d'a  thaobh,  is  cha  robh 
dha  tuilleadh  ach  diiil  eagalach  ri  breitheanas 
is  fearg  theinnteach.  "  Ni  mise,"  thubhairt 
Dia,  "  peanas  air  fein  agus  air  a  shhochd,  air 


son  an  easaontais  ;  cha  bhi  aige  neach  a 
shuidheas  air  righ-chaithir  Dhaibhidh,  agus 
tilgear  a  chlosach  a  mach  a  chum  an  teas  anns 
an  la,  agus  a  chum  an  reothaidh  anns  an 
oidhche." 

Shaoil  lehoiacim  gu  robh  e  ullamh  agus  Facal 
an  Tighearna  an  uair  a  chuir  e  anns  an  teine  e, 
ach  tha  sinn  a'  leughadh  gu'n  deachaidh  clar 
eile  a  sgriobhadh  air  an  robh  na  briathran 
ceudna  air  an  cur  sios  a  bha  air  a'  cheud  chlar, 
agus  m6ra?i  de  hhriathribh  eile  cosmhuil  riu.  Chan 
urrainn  daoine  Facal  an  Tighearna  a  mhiichadh 
no  mharbhadh  ;  tha  beatha  mhaireannach  ann, 
agus  eadhon  ged  chuirteadh  anns  an  teine  e  thig 
e  as,  agus  tachraidh  e  a  ris  air  an  duine  a  chuir 
ann  e. 

Tha  iomadh  leasan  a  dh'  f  haodamaid  a  tharr- 
uing  o'n  naidheachd  so,  ach  an  leasan  so  gu 
sonruichte,  gur  diomhain  do  dhaoine  a  bhi 
breabadh  an  aghaidh  facal  is  lagh  an  Tighearna. 
Tha  moran  dhaoine  aig  am  bheil  fuath  do'n 
Bhiobull,  a  chionn  gu  bheil  am  BiobuU  a'  diteadh 
am  beatha  ;  a'  toirmeasg  nithean  d'a  bheil 
gi'adh  aca-san  agus  a'  gairm  an  aire  gu  nithean 
anns  nach  'eil  tlachd  aca.  Ach  cha  dean  am 
fuath  no  am  mallachd  cron  no  coire  air  a'  Bhio- 
bull, ged  ni  iad  cron  orra  fein  ;  chan  atharraich 
am  fuath  aon  lide  de'n  fhirinn.  Mar  tha  Pol  ag 
radh  chan  urrainn  sinn  dad  a  dheanamh  an 
aghaidh  na  firinn.  Tha  cumhachd  is  ughdarras 
is  neai't  neo-bhasmhor  innte,  oir  is  ann  o  Dhia  a 
tha  an  fhirinn,  agus  tha  cumhachd  an  Uile- 
chumhachdaich  is  seasmhachd  an  Ti  air  nach  tig 
caochladh  air  a  ciil.  An  uair  a  tha  duine  a'  dol 
an  aghaidh  Facal  an  Tighearna,  a'  saoilsinn  'n  a 
amaideas  agus  'n  a  dhannarrachd  gu'n  toir  e 
diilain  do  Dhia,  tha  e  a'  cur  a  bhroillich  ri  sruth 
as  laidire  na  Coire-Bhreacain,  sriith  ris  nach 
urrainn  e  cothachadh,  sruth  nach  deachaidh 
riamh  is  nach  teid  gu  brath  neach  'na  aghaidh. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  a'  bhliadhna  181S,  a'  bhliadhna  anns 
-LXan  robh  Cogadh  Mor  na  Roinn-Eorpa  ri 
Napoleon  'n  a  sheusar,  bha  Mairi  Chamshron, 
nighean  do  thuathanach  beag  an  Aird-ghobhar, 
air  fasdadh  aig  an  t-Siorram  an  lonar-nis.  Ann 
an  toiseach  an  Fhoghair  leig  bean  an  t-Siorraim 
dhachaidh  i,  a  dh'  fhaicinn  a  cuideachd,  agus 
air  an  rathad  dhachaidh  chuir  i  seachad  oidhche 
anns  a'  Ghearasdan,  Gearasdan  lonar-Lochaidh. 
Thachair  gu'n  robh  saighdear  og  de  'n 
Fhreiceadan  Dhubh  anns  a'  Ghearasdan  an 
oidhche  ud,  saighdear  a  bha  air  a  chur  dhachaidh 
le  buidheann  de  phriosanaich  Fhrangach,  agus 
a  bha  nis  a'  feitheamh  gus  an  tigeadh  gairm 
air  dol  air  ais  do'n  reiseamaid.  Choinnich  an 
dithis,  ghabh  iad  gaol  air  a  cheile,  agus  gus 
naidheachd  ghoirid  a  dheanamh,  phos  iad  ann 


am  beagan  uine,  gun  chead  cuideachd  Mairi. 
Bha  a  mathair  gu  sonruichte  fada  fada  an 
aghaidh  an  t-saighdeir. 

Bha  an  Siorram  agus  a  bhean  duilich  sear- 
bhanta  mhaith  a  chall,  ach  bha  iad  'n  an  daoine 
ciallach  ghc  is  thug  iad  suim  airgid  le  am 
beannachd  do  Mhairi  Chamshron,  a  chionn 
gu  robh  fhios  aca  gur  e  posadh  sona  agus 
urramach  a  rinn  i  fein  agus  an  saighdear. 

Ged  nach  robh  Mairi  'n  a  bean-aideachaidh 
agus  nach  robh  i  cinnteach  gu  robh  creideamh 
slainteil  aice  ann  an  Criosd  bha  suim  aice  do 
Dhia  agus  d'a  Fhirinn  is  bhitheadh  i  a'  leughadh 
a  h-uile  latha  caibideil  anns  a'  Bhiobull.  A' 
mhaduinn  a  dh'  fhag  iad  an  Gearasdan  a  dhol 
do  Obar-eadhain,  far  an  robh  iad  ri  aiseag 
fhaotainn,  rinn    aon  fhacal  a  leugh   i   greim 


ANNS  A'  CHATHAIR 


cho  laidir  air  a  h-inntinn  's  gu'n  d'  fhan  e  'n  a 
cuimhne  gu  brath  tuilleadh, — Tha  Dia  'n  a 
shuidhe  air  righ-chaithir  a  naomhachd.  A  cheud 
saighead  a  chuir  an  Spiorad  Naomh  'n  a  cridhe. 

Air  an  rathad  gu  Obar-eadhain  chuir  iad 
seachad  an  t-Sabaid  ami  am  baile  beag  ris  an 
abrar  Hunndaidh,  an  Srath  Bhalgaidh.  Chaidh 
iad  do'n  eaglais  air  a'  mheadhon-la,  agus  ciod  a 
b'  iongantaiche  le  Mairi  Chamshron  na  gu'n 
do  ghabh  am  ministear,  Seoras  Ross  Monro, 
MA.,  mar  a  cheann-teagaisg  na  ceart  bhria- 
thran  a  rinn  greim  air  a  h-inntinn  a'  mhaduinn 
a  dh'  fhag  iad  an  Gearasdan, — Tha  Dia  'n  a 
shuidhe  air  righ-chaithir  a  naomhachd.  An  dara 
saighead  a  chuir  an  Spiorad  Naomh  'n  a  cridhe. 

Anns  an  fheasgar  choisich  iad  a  mach  as  a' 
bhaile  air  ghaol  faotainn  leo  fein,  agus  sean- 
chas  blath  is  diomhair  eatorra  mar  bhios  eadar 
caraidean  gaolaeh  daonnan-.  B'e  an  rud  a 
bu  mho  a  bha  cur  de  mhulad  air  Mairi  gu 
robh  i  a'  fagail  na  diithcha  gun  bheannachd  a 
parantan.  Cha  b'  ann  aice-se  a  bha  choire 
ach  air  a  shon  sin  bha  a  cridhe  goirt. 

An  uair  a  bha  iad  a'  tilleadh  a  steach  do'n 
bhaile  lean  iad  bruachan  na  h-aibhne,  agus 
faicear  aig  bun  bruthaich  a  bha  greis  bhuapa 
"  bothan  beag  fasgach  's  e  gealaicht  le  aol." 
"  A  Sheumais,  a  ghaoil,"  arsa  Mairi,  "  am  faca 
tu  riamh  tigh  beag  eile  cho  grinn  ris  ?  Nach 
bu  shona  a  bhitheamaid,  na'n  robh  an  tigh 
beag  boidheach  so  againn  dhuinn  fein  a  dh' 
fhuireach  ann  seach  a  bhi  dol  a  dh'  iarraidh  a' 
chruaidh-chais  do  Fhlannrais  ?  " 

Rainig  iad  Obar-eadhain  Di-mairt ;  an 
oidhche  sin  fein  chaidh  iad  air  bord  na  luinge 
a  bha  dol  'g  an  toirt  do'n  Spainnt  far  an  robh 
Diuc  Wellington  leis  an  arm  Bhreatunnach  ag 
iomain  nam  Frangach  roimhe. 


Cha  ruig  mi  a  leas  innseadh  ciod  an  t-allaban 
a  dh'  f hulling  Mairi  Chamshron  anns  an  tir 
thall  far  an  do  lean  i  an  t-arm  dluth  air  da 
bhliadhna.  Ged  bha  na  blair  a  bha  air  an  cur 
aig  Ciudad  Rodrigo  agus  Salamanca  air  an  cur 
m'  an  deachaidh  i  a  null  chunnaic  i  Waterloo  ; 
bha  i  an  sealladh  a'  bhlair  fhuiltich  sin  fad 
thri  laithean  agus  a  leanabh  'n  a  h  -  uchd, 
leanabh  a  thainig  gu  ire  duine  agus  a  bha  beo 
ann  an  Glaschu  ann  an  1891. 

Bha  a  ceile  air  a  leon  aig  Waterloo,  ann  am 
fior  thoiseach  a'  bhatail,  ach  cha  robh  fhios 
aice  ciod  a  dh'  eirich  dha  gus  an  d'  fhuair  i 
fein  agus  na  mnathan  eile  a  bha  leantuinn  an 
airm  cead  am  blar  agus  an  duthaich  mu'n 
cuairt  a  shiubhal.  Fhuair  i  e  ann  am  Brussels 
ann  an  aite  a  bha  air  a  dheasachadh  air  son 
shaighdearan  leonta.  Bha  a  cridhe  Ian  le  gaol 
is  taingealachd  an  uair  a  chunnaic  i  gu  robh 
e  beo,  ach  bha  e  air  a  leon  cho  dona  's  nach 
gabhadh  e  gluasad  a  Brussels  fad  iomadh  la. 


An  uair  a  chaidh  e  beagan  na  b'  fhearr  agus  a 
b'  urrainn  e  seasamh  air  a  chasan  thugadh  do 
Shasunn  e,  ach  air  dha  dol  air  beulaibh  a' 
Choirneil  agus  an  dotair  anns  an  reiseamaid 
chunnacas  nach  deanadh  e  feum  tuilleadh 
anns  an  arm.  Mar  sin  thugadh  dha  a  Utir- 
shaoraidh  agus  pension  beag,  naoi  sgillinn  's 
an  la.  Cha  chumadh  am  pension  am  biadh  's 
an  aodach  iad,  is  b'  fheudar  do  Mhairi  toisea- 
chadh  air  nigheadaireachd  a  ghabhail  a  steach 
gus  an  tigh  a  chumail,  agus  goireasan  beaga  a 
bha  feumail  do  dhuine  easlainteach  fhaotainn. 

Ach  bha  freasdal  an  Tighearn  a  tha  'n  a 
shuidhe  air  righ-chaithir  a  naomhachd  ag  oibre- 
achadh  agus  ag  uUachadh  air  son  na  caraid 
ghaolaich  ud.  Chuir  Morair  Hunndaidh  fios 
gu  Coirneal  an  Fhreiceadain  Dhuibh,  a  dh' 
fhoigneachd  am  b'  aithne  dha  caraid  mheasail 
air  bith  a  chuireadh  e  anns  an  Lodge  aig  a' 
Gheata  air  oighreachd  Hunndaidh.  Chuimh- 
nich  an  Coirneal  air  an  t-saighdear  d'  an  tug  e 
a  litir-shaoraidh  o  chionn  ghoirid  is  thug  e 
ainm  agus  a  chliii  do'n  Mhorair.  Dh'  innis  e 
dha  gu  robh  bean  chliiiteach  sgoinneil  aige, 
oir  b'  aithne  do'n  Choirneal  Mairi  Chamshron 
gu  maith,  is  bhiodh  e  daonnan  ag  radh  ris  na 
h-oifigich  eile  gu  robh  i  na  bu  chiuine  agus  na 
bu  bhanaile  na  gin  de  na  mnathan  eile  a  bha 
leantuinn  na  reiseamaid. 

Bha  ciiisean  eadar  am  Morair  agus  iad  fein 
air  an  socruchadh  gun  dail.  Tha  an  t-shghe 
eadar  Portsmouth,  an  ceann  a  deas  Shasuinn 
agus  Hunndaidh,  an  ceann  a  tuath  Albainn, 
fada  CO  dhiu,  ach  bha  i  na  b'  fhaide  dhaibh-san 
a  chionn  gu  robh  an  saighdear  cho  uireas- 
bhuidheach  leis  a'  chriibaiche  a  bha  'n  a 
chasan.  Ach  mu  dheireadh  rainig  iad  an 
ceann-uidhe,  agus  an  uair  a  rainig  iad  e  agus 
a  chunnaic  Mairi  Chamshron  an  Lodge  anns 
an  robh  iad  a'  dol  a  dh'  fhuireach  ghlaodh 
i  le  moit,  "  A  Sheumais,  a  ghaoil,  so  agad, 
"  am  bothan  beag  fasgach  's  e  gealaicht  le 
aol  "  a  chunnaic  sinn  air  feasgar  na  Sabaid 
m'  an  do  sheol  sinn  do'n  Spainnt.  Nach  'eil 
cuimhne  agad  gu'n  dubhairt  mi  gu'm  bu 
shona  dhuinn  na'n  robh  e  againn  dhuinn 
fein  seach  a  bhi  dol  air  cheann  a'  chruadail  do 
Fhlannrais  ?  " 

Ach  bha  rud  a  b'  iongantaiche  na  sin 
feitheamh  oirre  fathast  ;  os  cionn  teine  a' 
chitsin  bha  clar  air  a  chrochadh  air  an  robh  na 
briathran  so  air  an  sgriobhadh  ann  am  fuaigheal 
riomhach,  Tha  Dia  'n  a  shuidhe  air  righ-chaithir 
a  naomhachd.  An  treas  saighead  a  chuir  an 
Spiorad  Naomh  'n  a  cridhe. 

Bha  nighean  aig  an  fhear  a  bha  romhpa 
anns  an  tigh  aig  an  robh  lamh  ghrinn  ach 
droch  shlainte  ;  a  chur  seachad  na  h-uine 
bhiodh  i  a'  deanamh  shamplairean,  mar 
theirear  riu  ;  fuaigheal  riomhach  le  snath 
boidheach,  is  bha  an  samplair  ud  cho  finealta 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ann  an  shilean  a  m^thar  's  gu'n  do  chroch  i  e 
fo  ghloine  os  cionn  teine  a'  chitsin.  An  uair  a 
shiubhail  a  h-athair  's  a  chuir  a  mathair  roimhpe 
dol  a  dh'  fhuireach  le  piuthair  ann  an  Eilginn 
ghabh  Morair  Hunndaidh  an  airneis  air  fad 
uapa,  is  bha  an  samplair  air  fhagail  leis  a' 
chorr. 

Bha  Mairi  Chamshron  agus  an  saighdear  ann 
an  Tigh-a-Gheata  fad  iomadh  bliadhna,  comh- 
fhurtachail  gu  leoir  'n  an  crannchur  shaoghalta 
agus  measail  aig  an  coimhearsnaich.  Bha 
dithis  chloinne  aca,  am  mac  a  bha  air  a  broill- 
each  aig  blar  Waterloo  agus  balach  eile  a 
rugadh  dhaibh  tri  bliadhna  an  deidh  dhaibh 
suidheachadh  ann  an  Hunndaidh.  Cha  deach- 
aidh  i  riamh  air  a  h-ais  a  dh'  Aird-ghobhar  oir 
cha  do  rinn  a  cuideachd  uiread  agus  sgriobhadh 
chuice,  ach  air  uairean  bhiodh  ionndrainn  'n  a 
cridhe  air  an  diithaich  shiar,  Ceann-Ghearrloch, 
is  Suaineart,  is  Miiideart. 

Ach  bha  ionndrainn  a  bu  doimhne  'na  cridhe 
na  h-ionndrainn  air  na  beanntan  agus  na 
cladaichean  thall ;  bha  ionndrainn  'n  a  cridhe 
air  Dia.  Ged  bha  i  stolda  agus  faicilleach  'n 
a  caitheamh-beatha,  is  fritheilteach  air  meadh- 
onan  nan  gras,  bhiodh  eagal  ag  eirigh  'n  a 
h-inntinn  nach  robh  a'  bheatha  shiorruidh  'n 
a  h-anam,  a'  bheatha  shiorruidh  a  tha  Dia  a' 
toirt  do  chreidmhich  tre  losa  Criosd  ar  Tighearn. 


Tha  aite  ann  an  Hunndaidh  ris  an  abrar 
Tobar-Eoin,  aite  a  bha  air  a  choisrigeadh  le 
searmonachadh  dhaoine  naomh  o  laithean 
Chaluim-cille.  Mu'n  bhliadhna  1840  bha  diis- 
gadh  ann  an  Hunndaidh  ;    bha  coinneamhan 


air  an  cumail  a  mach  air  a'  bhlar  aig  Tobar- 
Eoin  far  an  robh  sluagh  mor  a'  cruinneachadh 
a  h-uile  feasgar,  is  moran  dhiubh  fo  chiiram 
anma.  Air  feasgar  araidh  c6  an  searmonaiche  a 
bha  aig  Tobar-Eoin  ach  an  duine  diadhaidh 
R.  M.  Mac  Cheyne  ?  Am  measg  an  luchd- 
eisdeachd  bha  Mairi  Chamshron.  An  uair 
a  dh'  eirich  an  duine  beannaichte  agus  a  thug 
e  a  mach  mar  cheann-teagaisg  na  briathran 
so,  Tha  Dia  'n  a  shuidhe  air  righ-chaithir  a 
naomhachd,  chuir  an  Spiorad  Naomh  a'  cheath- 
ramh  saighead  ann  an  cridhe  Mairi  Chamshron. 

Gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh  dheal- 
raich  an  solus  air  a  h-anam  uigh  ar  n-uigh,  is 
neartaich  a  dearbhachd  ann  an  gradh-saor- 
aidh  agus  ann  an  cumhachd-saoraidh  Chriosd. 
Chaidh  an  obair  mhaith  air  an  do  thosich  an 
Spiorad  Naomh  innte  air  aghaidh  o  bhliadhna 
gu  bliadhna  gus  mu  dheireadh  an  robh  i 
comharraichte  anns  an  sgireachd,  mar  bhean- 
aideachaidh  a  bha  anabarrach  soilleir  agus 
tuigseach  anns  a'  bheatha  spioradail.  Cha 
robh  R.  M.  Mac  Cheyne  riamh  ann  an  Obar- 
eadhain  'n  a  dheidh  sud  gun  dol  a  mach  gu 
Hunndaidh  a  dh'  fhaicinn  Mairi  Chamshron. 

B'  abhaist  dha  a  bhi  'g  radh  gu'm  b'  aithne 
dha  ceudan  a  bha  air  an  iompachadh  fo  shear- 
monachadh  fein,  ach  nach  robh  gin  dhiubh  air 
an  iompachadh  le  facal  air  bith  a  labhair  esan 
ach  le  facal  air  chor-eigin  ann  am  Facal  Dhe 
a  rinn  greim  air  an  aire  agus  air  an  inntinn. 
Sin  mar  thachair  do  Mhairi  Chamshron  ; 
ghreimich  am  facal  ud  air  a  h-inntinn  is  cha 
do  leig  e  fois  leatha  gus  an  do  gheill  i  do'n 
Spiorad  a  bha  a'  stri  rithe,  Tha  Dia  'n  a  shuidhe 
air  righ-chaithir  a  naomhachd. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


CHA  robh  sgoil-shamhraidh  riamh  againn  an 
Cille-sgumain  gus  am  bUadhna,  is  cha  mho 
a  bha  f  hios  againn  co  ris  a  bha  sgoil-shamhraidh 
coltach,  ach  thainig  sgoil-shamhraidh  do  Chille- 
sgumain  ann  an  toiseach  an  Fhoghair  am 
bUadhna  air  am  bi  cuimhne  fad  iomadh  latha. 
Bha  i  air  a  cumail  le  "  Comunn  na  Sguaibe 
Uire,"  comunn  aig  a  bheil  e  mar  chrich  araidh 
an  saoghal  a  chur  ceart  m'an  teirig  a'  ghineal 
so.  Choinnich  iad  an  uiridh  ann  an  Calasraid 
a  dheasbud  na  ceiste,  "  Ciod  a  tha  cearr  air  an 
t-saoghal  ?  "  ach  bha  cho  beag  de  chordadh 
'n  am  measg  air  a'  phuing  sin,  is  dh'  fhas  na 
sgoilearan  cho  teth  agus  cho  labhar  'n  an  conn- 
sachadh  's  gu'n  d'  aontaich  iad  mu  dheireadh, 
air  ghaol  sithe,  a'  cheist  sin  fhagail  gun  fhuas- 
gladh  agus  dol  air  an  aghaidh  a  chur  an  t-sao- 
ghail  ceart  gun  dail.  "  Cuiridh  sinn  an  saoghal 
ceart  an  toiseach,"  arsa  fear  na  Cathrach, 
"  agus  an  sin  rannsaichidh  sinn  ciod  a  tha  cearr 
air." 


Thainig  iad  do  Chille-sgumain  feasgar  Di- 
sathuirn  ;  air  maduinn  na  Sabaid  chaidh  iad 
do'n  eaglais  is  hubhair  an  t-Urramach  Niall 
Mac  Pharlainn,  B.D.,  searmon  freagarrach  air 
a'  cheann-theagaisg  so,  "  Agus  thubhairt  iad 
gach  aon  ri  cheile,  Thigibh,  togamaid  dhuinn 
fein  baile,  agus  tiir,  aig  am  bi  a  mhuUach  a' 
rmgheachd  gu  neamh,  agus  deanamaid  dhuinn 
fein  ainm,  air  eagal  gu'n  sgaoilear  o  cheile  sinn 
air  aghaidh  na  talmhainn  uile.  .  .  .  Uime  sin 
thugadh  Babel  mar  ainm  air  a'  bhaile,  a  chionn 
gu'n  do  chuir  an  Tighearn  thar  a  cheile  cainnt 
na  talmhainn  uile  ;  agus  uaithe  sin  sgaoil  an 
Tighearn  iad  air  aghaidh  na  talmhainn  uile 
(Genesis  xi.  4,  9-) 

Ciod  air  bith  doigh  anns  an  roinnear  iad,  no 
ciod  air  bith  ainm  a  bheirear  orra,  chan  'eil 
anns  an  t-saoghal  ach  da  sheorsa  dhaoine  uile 
gu  leir,  an  fheadhainn  a  tha  cinnteach  gu'n 
rachadh  aca-san  air  an  t-saoghal  a  chur  ceart, 
agus  an  fheadhainn  eile. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


Cha  robh  gin  de  na  thainig  do'n  sgoil- 
shamhraidh  toilichte  leis  an  t-saoghal  mar  tha 
e  ach  cha  mho  a  bha  gin  dhiubh  a'  cx-eidsinn 
anns  na  doighean  a  bha  aig  each  air  a  chur 
ceart.  Bha  aon  fhear  de  na  labhair  cinnteach 
nach  robh  leigheas  ann  do'n  t-saoghal  ach 
ionnsachadh  a  thoirt  do'n  chloinn  ;  an  cum  ail 
anns  an  sgoil  gus  am  biodh  iad  seachd  bliadhna 
deug  agus  tuarasdal  a  thoirt  dhaibh  an  uair  a 
ruigeadh  iad  ceithir  bliadhna  deug. 

Fad  na  h-iiine  a  bha  e  a'  bruidhinn  bha 
boirionnach  ard  caol,  agus  speuclair  oirre,  a' 
sealltuinn  air  le  ro-aire,  mar  gu'm  biodh  i  ag  61 
a  bhriathran  mar  bhainne  blath,  ach  ged  bha 
i  a'  sealltuinn  air  cho  dtir  cha  robh  i  ag  eisdeachd 
ri  aon  f  hacal  a  bha  e  ag  radh  oir  cha  robh  i  ach 
a'  feitheamh  gus  an  sguireadh  e  agus  am 
faigheadh  i  cothrom  air  leum  'n  a  seasamh  i 
fein.  An  uair  a  rinn  i  sin  thubhairt  i  nach  robh 
e  chum  feum  air  bith  a  bhi  cosd  airgid  air 
sgoilean  no  air  cloinn  gus  an  stadadh  muinntir 
na  diithcha  so  de  bhi  ag  itheadh  feola.  Thubh- 
airt i  gu  robh  puinnsean  na  feola  a'  dol  air 
feadh  na  fala,  a'  marbhadh  nam  fridean  dearga 
a  tha  innte  agus  a  cur  sgleo  air  an  eanchainn, 
agus  dhearbh  i  bho  sgriobhaidhean  lighichean 
a  leugh  i  gu  bheil  feoil  buailteach  air  grodadh 
ma  tha  i  air  a  cumail  fada  gun  salann  ann  an 
sid  theth. 

Cho  luath  's  a  chual  e  iomradh  air  salann 
leum  fear  eile  'na  sheasamh  agus  shear- 
monaich  e  mu'n  eifeachd  a  tha  ann  an  salann 
cho  diirachdach  's  ged  bu  mhissionaraidh  e  a' 
searmonachadh  do  na  cinnich.  "  Tha  iomradh 
air  salann,"  ars'  esan,  "  ann  am  Plato  agus 
anns  a'  Bhiobull ;  bha  eolas  aig  muinntir 
Phersia  air  an  eifeachd  a  tha  ann  an  salann  anns 
a'  choigeamh  Unn  agus  chan  'eil  e  air  a  radh  o 
cheann  gu  ceann  de  sgriobhaidhean  Herodotuis 
gu'n  do  shiubhail  saighdear  Greugach  a  bha 
faotainn  salainn  le  caitheamh  no  le  cancer  no 
le  uric  acid  anns  an  fhuil." 

Lean  iad  orra  fad  seachduin  agus  a  leigheas 
fein  aig  gach  aon  dhiubh  air  eucailean  nafeadh- 
nach  eile.  Bha  freumh  de'n  chuthach  anns  na 
h-eanchainnean  aca  uile  ach  tha  mi  an  diiil  gu 


robh  barrachd  de  fhiabhrus  a'  chuthaich  anns 
an  fheadhainn  air  an  robh  ro-chtiram  mu'n 
chorp  na  bha  ann  an  each.  An  uair  a  thoisicheas 
daoine  air  ro-chiiram  a  bhi  orra  m'  an  cridhe 
no  m'  an  gruthan  ;  no  thoisicheas  iad  air  iad 
fein  a  dhotaireaehd ;  no  air  leughadh  mu 
chungaidhean  a  bhios  marsantan  a'  moladh 
dhaibh,  tha  iad  air  bruach  sluic  a  tha  cho  domh- 
ain  dorcha  ri  Tophet.  Bu  cho  mhaith  do 
dhuine  a  bhi  marbh  ri  bhi  a'  smuaineachadh  mu 
bhuill  agus  mu  oibreachadh  a  chuirp  fein  gun 
sgur  ;  mar  is  lugha  is  aithne  dha  mu  oibreachadh 
a  mhionaich  agus  a  ghoile  agus  a  chridhe  is  ann 
as  fhearr  dha.  Tha  dotairean  ann  air  son  a' 
ghnothuich  sin,  agus  is  glic  do'n  h-uile  duine 
gach  diomhaireachd  a  bhuineas  do'n  choluinn 
fhagail  'n  an  lamhan-sa.  Bheir  sin  saorsa  inn- 
tinn  dhuit,  co  dhiu  a  bheir  e  slainte  dhuit  no 
nach  toir,  agus  gun  saorsa  inntinn  b'  fhearr 
dhuit  a  bhi  marbh  na  bhi  beo.  Ma  tha  am 
bas  ri  tighinn  ort  thig  e  ort  co  dhiu. 

Bha  fir  agus  mnathan  anns  an  sgoil-shamh- 
raidh  ud  a  bha  cinnteach  gu'm  biodh  neamh  air 
thalamh  na'n  gabhadh  daoine  eile  an  comhairle- 
san  a  thaobh  nithean  neonach  a  fhuair  iad  a 
mach.  Fhuair  fear  dhiubh  a  mach  nach  ruig 
thu  a  leas  eagal  a  bhi  ort  roimh  appendicitis  ma 
dh'  itheas  tu  Ian  spaine  de  ghainmhich  tri 
uairean  's  an  latha.  Gus  a  phuing  a  dhearbh- 
adh  dh'  fhaighnich  e  de'n  chuideachd  an  cual 
iad  riamh  appendicitis  a  bhi  air  each  no  air  mart  ? 
"  Is  e  an  t-aobhar,"  ars'  esan,  "  gu  bheilear  a' 
toirt  dhaibh  tuirneap  agus  buntata  gun  ghlan- 
adh  agus  gu  bheil  iad  ag  itheadh  na  h-urach." 
Fhreagair  cuid-eigin  gu'm  faca  esan  greim- 
mionaich  air  each  iomadh  uair,  ach  thog  so 
uiread  connsachaidh  's  gu'm  b'  fheudar  do 
fhear  na  Cathrach  dol  's  an  eadraiginn. 

Tha  an  sgoil  a'  dol  air  aghaidh  fathast,  is 
theagamh  gu'm  bi  gu  brath  tuilleadh  oir  tha 
an  saoghal  dannarra  is  duilich  a  chur  ceart 
ach  tha  aireamh  nan  daoine  aig  a  bheil  dtiil 
gu'n  gabh  e  cur  ceart  le  sgoiteachd  no  le  gis- 
reagan  beaga  faoine  a'  meudachadh  a  h-uile 
bliadhna. 

Tha  gliocas  a'  comhnuidh  maille  ri  ceill. 


Aig  an  Uinneig 


Is  miosa  na'n  t-uireasbhuidh  tuilleadh  's  a 
choir 

LA  a  thachair  fear  de  na  foirbhich  air  an 
Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  dh' 
innis  e  dha  gu  robh  Anna  Nic  an  Toisich  air 
mhi-shaod,  agus  a'  gearan  nach  do  chuir  e  a 
chas  a  steach  air  a  dorus  o  chionn  bhiadhna. 
"  Thubhairt  mise  rithe,"  ars  am  foirbheach, 
"  gu  robh  moran  agaibh  ri  dheanamh  ach 
gu'm  faodadh  i  bhi  cinnteach  nach  biodh  sibh 
fada  gun  tadhall  oirre." 


Bha  Anna  Nic  an  Toisich  air  mhi-shaod  gun 
teagamh  ;  "  tha  am  ministear  trie  gu  leor 
anns  a'  choimhearsnachd  so,  a'  tadhall  air 
daoine  eile,  ach  tha  bUadhna  mhor  o  nach 
do  chuir  e  a  shron  a  steach  air  mo  dhorus-sa, 
no  uiread  agus  fhoighneachd  an  robh  mi  beo." 

An  ath  Di-luain  chaidh  Niall  Mac  Pharlain, 
B.D.,  a  dh'  amharc  Anna  ;  chaidh  e  'g  a  amharc 
a  ris  Di-mairt  ;  leig  e  seachad  Di-ciadaoin  a 
chionn  gu  robh  e  aig  tiodhlaeadh,  ach  bha  e 
air  ais  Di-ardaoin,  agus  Di-haoine. 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


An  ath  uair  a  choinnich  am  foirbheach  rithe 
cha  b'  ann  air  mhi-shaod  a  bha  Anna  ach  air  a 
h-each  mor.  "  An  tug  sibh  an  aire,"  ars'  ise, 
"  a  bheil  dad  cearr  air  a'  mhinistear  ?  chan 
urrainn  mise  a  chumail  air  falbh  o  mo  dhorus  ; 
is  ann  a  tha  e  a'  sgiathalaich  mu'n  cuairt  orm 
mar  gu'm  bu  mhi  peacach  as  miosa  an  Cille- 
sgumain  ;   tha  an  duine  a'  call  a  thiiir." 

Is  leathann  an  t-slighe 

Tha  am  facal  so  fior  ann  an  doigh  eile  a 
thuilleadh  air  an  t-seagh  anns  a  bheil  e  air  a 
chleachdadh  anns  a'  BhiobuU.  Mar  is  leithne 
a  thatar  a'  deanamh  nan  rathaidean-mora 
an  diugh  is  ann  is  mo  a  tha  de  dhaoine  air  am 
marbhadh  orra.  Tha  na  rathaidean  leathann 
a'  treorachadh  a  chum  sgrios  a  chionn  gu 
bheil  iad  'n  am  buaireadh  do  dhaoine  a  bhi 
deanamh  reiseadh  gun  chiall  orra.  Air  an 
t-seachduin  so  chaidh  bha  ochd  fichead  duine 
air  am  marbhadh  agus  suas  ri  coig  mile  air  an 
dochann  air  rathaidean-mora  na  diithcha  so, 
is  tha  sin  a'  dol  air  aghaidh  a  h-uile  seachduin. 
Sin  a'  phris  a  thatar  a'  paigheadh  air  son 
farsuingeachd  nan  rathaidean  ;  na'n  robh  iad 
na  b'  aimh-leithne  cha  bhiodh  uiread  call  orra. 

Ach  chan  'eil  feum  ann  do  dhuine  air  bith 
an  diugh  feuchainn  ri  cur  an  aghaidh  na 
feadhnach  a  tha  an  diiil  nach  'eil  doigh  as 
cinntiche  air  sonas  agus  soirbheachadh  a 
thoirt  do'n  diithaich  na  rathaidean  farsuing  a 
dheanamh.  Cha  bhiodh  ann  ach  guth  ag 
eigheach  anns  an  straighlich  a  chluinnear  air 
na  rathaidean  sin  fein.  Bhatar  an  diiil  aon 
uair  nach  robh  againn  ach  rathaidean  farsuing 
fhaotainn  anns  a'  Ghaidhealtachd  's  gu'm 
biodh  na  glinn  ait  agus  gu'n  tigeadh  na  bailtean 
beaga  fo  bhlath  mar  an  ros,  ach  is  e  a  tha 
tachairt  gu  bheil  na  rathaidean  farsuing  a' 
cur  as  do  mharsantan,  do  ghoibhnean,  do 
thaillearan,  agus  do  gach  seorsa  eile  de  luchd- 
ceaird  anns  a'  Ghaidhealtachd.  An  aite  a  bhi 
a'  ceannach  guail  o'n  mharsanta  againn  fhein 
tha  an  dara  leth  de  mhuinnter  Chille-sgumain 
a  nis  'g  a  cheannach  bho  lorry  a  tha  tighinn 
tri  fichead  mile  a  Fiof.  Tha  fichead  biith 
air  chuibhlichean  a'  tighinn  a  h-uile  seachduin 
a  Dundeagh,  agus  a  Glaschu,  agus  a  Diin- 
eideann,  agus  a  Struidhla,  o  na  bha  na  rathaid- 
ean-mora air  an  deanamh  leathann,  Tha 
sin  a'  sgrios  beatha  na  diithcha  agus  nam 
bailtean-beaga. 

Ag  ath-cheannach  na  h-aimsir 

Am  measg  nithean  eile  a  tha  am  facal  so  a' 
ciallachadh  tha  e  a'  ciallachadh  gur  coir 
dhuinn  feum  ceart  a  dheanamh  d'ar  n-iiine. 
Tha  ar  laithean  a'  dol  seachad  mar  shruth, 
agus  mur  bheil  duine  ciiramach  m'a  iiine  thig 


an  oidhche  air  agus  gun  'obair  criochnaichte. 
An  abradh  tu  gu  robh  an  duine  so  ag  ath- 
cheannach  na  h-aimsir,  croitear  no  leth- 
thuathanach  a  bhios  a'  sgriobhadh  anns  na 
paipearan-naidheachd,  a'  faotainn  coire  db'n 
Ghovernment  a  chionn  nach  'eil  iad  a'  gearradh 
an  rainnich  a  tha  ion  's  a'  Ghaidhealtachd  a 
chur  fas  1 


8.         A.M. 

8.20 

8.40 

9 

9.30 

10 

10-30 

11 

11-12  „ 

12-1.30  P.M 


2-3 


3-4 


Dhiiisg  e. 

Thionndaidh  e  air  a  thaobh  chli. 
Thionndaidh  e  air  an  taobh  eile. 
Dh'  eirich  e. 
Ghabh  e  a  bhraiceas. 
Las  e  a  phiob. 
Chuir  e  air  a  bhrogan. 
Sheall  e  a  mach  a    dh'  fhaicinn 
ciod  an  taobh  a  bha  a'  ghaoth. 
Bha    seanchas    aige    ri    Seonaid 
Eachainn  agus  i  a'  dol  do'n  tobar. 
Thubhairt  e  ri  Iseabal  a  phiuthar 
nach  b'   fhiach  dha  toiseachadh 
air  a'  bhuntata  a  ghlanadh  gus  an 
gabhadh  e  a  dhinneir,  is  shuidh  e 
air   beinge   a'   leughadh    Tim  an 
Ohain. 

An   deidh   a   dhinnearach  rinn   e 
norradh  cadail  gus  an  do  dhiiisg 
tathunnaich     a'     choin     e     agus 
Eoghan  Ban  air  tighinn  a  steach. 
•Ghabh  e  fhein  agus  Eoghan  Ban 
smog,    is    chuir    iad    sios    air    a' 
Ghovernment  a  chionn  nach  robh 
iad    a'    deanamh  dad '  air  son  an 
duine  bhochd. 
Ghabh  iad  tea. 
Ghabh  iad  smog  eile. 
Chaidh   e   greis    de'n    rathad    le 
Eoghan  Ban. 

Dh'  fharraid  e  a  dh    Iseabal  an 
d'  thug  i  biadh  do  na  laoigh. 
Ghabh  e  smog  eile. 
Thubhairt  e  ri   Iseabal  nach   b' 
fhiach    dha    toiseachadh    air    a' 
bhuntata  gus  am  maireach. 
Ghabh  e  smog  eile. 
Chaidh  e  air  cheilidh,  a'  smogadh 
agus  a'  seanchas  fad.na  h-iiine, 
agus  a'  cur  sios  air  a'  Ghovern- 
ment. 

Chaidh  e  a'  laighe,  ag  radh  ris 
fein  gu'm  feumadh  e  eirigh  trath 
agus  uiread  aige  ri  dheanamh. 
Bhruadair  e  gu'n  do  chuir  an 
Government  reiseamaid  shaigh- 
dearan  a  ghlanadh  a'  bhuntata. 


Tri  mallachdan  an  Tuathanaich 

Am  measg  gach  agh  is  beannachd  eile  a  tha 
air   eilean  mo    dhiichais   chan    'eil   coineanan 


4-4.30 

55 

4.30-5 

55 

5-5.30 

55 

6 

55 

6.30 

55 

7 

55 

7.30 

55 

8-11.30 

55 

12 


AIG  AN  UINNEIG— ARD  SHEANADH  NA  H-EAGLAIS 


ann.  Cha  toigh  leam  an  coinean  beo  no 
marbh,  air  a'  bhlar  no  air  a'  bhord.  Tha 
tuilleadh  's  a  choir  dhiubh  ann  daonnan  ach 
tha  iad  cho  lionmhor  am  bUadhna,  ann  an 
Adholl  CO  dhiu,  's  gu  bheil  iad  an  impis  an 
diithaich  a  chur  fodhpa  fein.  Uaireigin  de  'n 
t-saoghal  ann  an  siorramachd  Rois  bha  e  air 
a  radh  gu'm  b'  e  tri  mallachdan  an  tuathan- 
aich,  reothadh  Ceitein,  ceo  luchair,  agus  an 
Toitear  Saileach.  Ach  an  diugh  is  e  tri 
mallachdan  an  tuathanaich  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  gu  leir,  feidh,  agus  rainneach, 
agus  coineanan.  Chan  urrainn  na  tuathan- 
aich feidh  a  chumail  sios  oir  chan  'eil  sin 
air  a  cheadachadh  dhaibh  le  lagh  na  rioghachd 
ach  dh'  fhaodadh  iad  coineanan  is  rainneach  a 
chumail  sios  na's  fhearr  na  tha  iad  a'  deanamh. 

Tha  iomadh  namhaid  aig  a'  choinean  ach  a 
dh'  aindeoin  gach  ruagadh  a  thatar  a'  deanamh 
air  tha  e  'g  a  thoirt  fein  as  orra  uile,  air  chor 
agus  nach  'eil  e  ceart  a  radh  gur  creutair  e 
gun  eanchainn.  Gle  thric  cluinnidh  tu  duine 
ag  radh  mu  dhuine  'eil  gu  taireil  nach  'eil 
eanchainn  coinein  aige.  Ach  cha  chreutair  gun 
eanchainn  creutair  air  bith  a  tha  toirt  diilain 
do  dhroch  aimsir,  do  gheamairean,  do  bhalaich- 
sgoile,  do  fheocullain,  do  shionnaich,  agus  do 
fhichead  namhaid  eile  a  tha  an  toir  air. 

Is  suarach  an  iiine  bho  thainig  an  coinean 
do'n  Ghaidhealtachd  an  toiseach,  is  theagamh 
gu'n  tugadh  ann  iad  mar  pheatachan.  Anns 
an  leabhar  a  chuir  Osgood  H.  Mac  Coinnich, 
Inbhir-iu,  a  mach  o  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan  tha  e  ag  innseadh  gur  e  a  sheanair  a 
thug  a  Sasunn  na  ceud  choineanan  a  chunn- 
acas  ann  an  siorramachd  Rois.  Shiolaich 
iad  cho  luath  's  gu  bheil  iad  a  nis  a'  maoidheadh 
a'  cheart  rud  a  dheanamh  air  caoraich  a  rinn 
a'  chaora  fein  air  a'  chrann-treabhaidh.  Tha 
iad  na's  miosa  an  AstraUa  na  tha  iad  ann  an 
Albainn.  Uair  a  bha  AstraUanach  agus  Al- 
bannach  comhla  ann  an  carbad-iaruinn  thoisich 
an  t-Albannach  air  boilich,  mar  is  trie  a  bhios 
Albannaich  agus  Gaidheil  a'  deanamh.  "  Tha 
fhios,"  ars'  esan  ris  anfhear  eile,  "  gur  h-aithne 
dhuit  moran  Albannach  an  Astraha  ;  tha 
moran  dhiubh  agaibh  anns  an  diithaich." 
"  Tha,"    ars'    an    t-Astralianach    gu    goirid. 


"  ach  tha  na  coineanan  a'  deanamh  barrachd 
cron  oirnn." 

An  eaglais  agus  a'  Ghaidhlig 

Bhiodh  e  ghc  do  Eaglais  na  h-Alba  a  chuimh- 
neachadh  ciod  a  thachair  aig  am  an  Deala- 
chaidh.  Dh'  fhag  uiread  de  na  ministearan  a 
b'  urrainn  Gaidhlig  a  shearmonachadh  an 
eaglais  's  gu'm  b'  fheudar  dhi  ministearan  a 
shuidheachadh  ann  an  cuid  de  sgirean  anns  a' 
Ghaidhealtachd  aig  nach  robh  facal  Gaidhlig. 
Theagamh  gu'm  b'  fhearr  sin  seach  na  sgirean 
fhagail  falamh.  Ach  bha  a  bhuil.  Cha  robh 
anns  na  ministearan  sin  ach  coigrich  am  measg 
an  t-sluaigh  uile  laithean  am  beatha.  Chan 
'eil  teagamh  nach  d'  fheuch  cuid  dhiubh  ri 
cainnt  na  diithcha  ionnsachadh,  ach  bha  na 
h-oidhirpean  tuathall  a  bhiodh  iad  a'  deanamh 
air  searmonachadh  an  Gaidhlig  'n  an  culaidh- 
mhagaidh  an  seanchas  an  t-sluaigh.  Cha  do 
thoisich  Eaglais  na  h-Alba  air  a  ceann  a  thogail 
anns  na  sgirean  sin  as  ur  gus  an  d'  fhuair 
iad  ministearan  oga  de  mhuinntir  na  diithcha 
a  b'  urrainn  labhairt  ris  an  t-sluagh  'n  an  cainnt 
fein. 

An  diugh  tha  a'  Bheurla  a'  tolladh  a  steach 
a  ris,  is  tha  aireamh  nan  coimhthionailean  anns 
a  bheil  GaidhUg  air  a  searmonachadh  a'  fas 
na's  lugha  a  h-uile  bliadhna.  Tha  iomadh 
aobhar  air  sin,  aobharan  nach  ruig  sinn  a  leas 
ainmeachadh  air  an  duilleig  so,  ach  cha  bu 
choir  do'n  eaglais  a  bhi  air  thoiseach  ach  air 
dheireadh  air  each  ann  a  bhi  leigeil  na  Gaidhlig 
a  cleachdadh.  Cho  fad  's  a  thig  eadhon  leth- 
dusan  de  choimhthional  a  mach  gu  seirbhis 
Ghaidhlig  tha  e  ceart  gu'm  biodh  cothrom  aca 
air  aoradh  a  dheanamh  ann  an  Gaidhlig,  co 
dhiu  an  dr^sd  's  a  ris.  Tha  e  fior  gur  e  an 
sluagh  iad  fein  as  coireach  gu  bheil  a'  Ghaidhlig 
a'  dol  air  chul  nam  bord  an  coimeas  ris  a' 
Bheurla  ;  is  fhearr  leo  an  t-seirbhis  Bheurla 
na  'n  t-seirbhis  Ghaidhlig  ach  a  mhain  anns 
na  h-Eileanan,  a  chionn  gur  ann  anns  a' 
Bheurla  is  deise  iad.  Ach  air  a  shon  sin  uile 
bha  coir  aig  an  eaglais  taobh  bhlath  a  bhi  aice 
ris  a'  Ghaidhlig  agus  feuchainn  ris  an  t-seirbhis 
Ghaidhlig  a  chumail  beo  cho  fad  's  a  ghabhas  e 
deanamh. 


Ard  Sheanadh  na  h-Eaglais 

Leis  an  Ubbamach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D. 


AM  measg  gach  gnothuich  eile  a  bha  air 
xA-beulaibh  an  t-Seanaidh  cha  do  rinneadh 
dearmad  air  a'  Ghaidhealtachd,  araon  'na 
ciiisean  timeil  agus  spioradail ;  oir  tha  iad 
toinnte  'na  cheile  a  ghnath.  Do  bhrigh  sin, 
thugadh  fa  chomhair  an  t-Seanaidh  suidh- 
eachadh  an  t-sluaigh  ann  an  cearnaibh  araidh 


dhi  ;  croiteirean  gun  chomas  air  am  fiachan 
a  phaigheadh  do  Bhord  an  Fhearainn  ;  iasgach 
cladaich  a'  dol  am  mugha  an  comhnuidh  ; 
moran  fearainn  a'  dol  fas,  'g  a  thachdadh  le 
rainneach  is  air  a  ghrotadh  le  cion  dhigean  ; 
ciuirdean  agus  ealainean  a  b'  abhaist  a  bhi 
cumanta,  air  dol  as  aithne  na  h-6igridh  ;   agus 


8 


ARD  SHEANADH  NA  H-EAGLAIS— CARTHANNACHD 


cha  mhor  gach  ni  air  am  bheil  daoine  a'  cur 
feum  'g  a  cheannach  a  btith,  no  'ga  fhaotainn 
as  a'  bhaile-mhor  ;  'na  chois  so  uile,  sluagh  na 
dtithcha  an  comhnuidh  a'  tanachadh  do  bhrigh 
nach  'eil  cosnadh  no  beo-shlaint  ri  fhaighinn 
innte  ach  aig  aireamh  shuaraich  an  coimeas  ris 
na  bha  i  a'  giulan  eadhon  leth-cheud  bliadhna 
air  ais.  Nach  truagh  a  bhi  a'  faicinn  dtithcha 
bhreagha  'g  a  falamhachadh  d'a  pobull,  agus 
na  dh'  fhagar  innte  air  bheagan  ealain,  sgil, 
agus  tapaidh,  an  coimeas  ri  'n  athraichean,  a 
chionn  nach  'eil  iarraidh  air  an  saothair  ?  An 
gabh  idir  bacadh  a  chur  air  traoghadh  an  t- 
sluaigh  as  an  diithaich  ?  Their  cuid  nach  gabh, 
do  bhrigh  gu  bheil  laghanna  cumhachdach  ag 
oibreachadh  gu  bhi  a'  fasachadh  na  Gaidh- 
ealtachd.  Tha  cuid  eile  de'n  bheachd  gu'n 
gabhadh  lagadh,  no  eadhon  casg  buileach  a 
chur  air  cuid  de  na  h-aobharan  sin,  agus  ath- 
leasachadh  nach  beag  a  thoirt  gu  buil.  Co 
dhiubh,  tha  an  t-am  a  bhi  a'  rannsachadh 
suidheachaidh  a  tha  gach  latha  a'  dol  ni's 
miosa.  Is  e  a  mhain  Uachdranachd  na  dtithcha 
is  urrainn  cosd  air  a  leithid  sin  de  rannsachadh  ; 
oir  ma  nithear  idir  e,  feumar  a  ghiulan  a  mach 
le  daoine, ttirail,  eolach  air  an  duthaich  anns 
gach  cearn  dhi,  agus  tuigseach  air  iomadh 
gnothuch.  Thug  an  Seanadh  ughdarras  do  aon 
de  na  Committees  a'  chuis  so  a  thoirt  fa  chomhair 
Runair  na  Staide,  ag  iarraidh  gu  'n  orduicheadh 
e  a  leithid  do  rannsachadh  a  chur  air  aghaidh, 
anns  an  dochas  gu'n  nochdadh  sin  meadhonan 
sonruichte  trid  an  leasaichear  cor  an  t-sluaigh, 
agus  am  faigh  tuilleadh  dhiubh  beo-shlaint  'n 
an  duthaich  chiataich  fein.  Ciod  air  bith  a  thig 
as,  bha  e  ceart  do  Eaglais  na  duthcha  aire  nan 
cumhachdachd  a  tharruing  ris  a'  chall  a  tha  a' 
dol  air  aghaidh  o  bhliadhna  gu  bliadhna  gun 
ni  'g  a  dheanamh  a  chur  grabaidh  air. 

An  tirean  cein 

Tha  gnothuch  Eaglais  na  h-Alba  chan  ann 
a  mhain  'n  ar  duthaich  fein,  ach  feadh  an  t- 
saoghail  fharsuing.  Tha  aobhar  taingealachd 
againn  gur  ann  mar  sin  a  tha,  agus  gur  fada  o 


na  ghabh  ar  n-Eaglais  gu  cridhe  ordugh  Chriosd 
— "  Imichibh-sa,  agus  deanaibh  deisciobuil  de 
gach  uile  chinneach."  Mar  thoradh  air  sao- 
thair nan  abstol  a  chuir  i  do  Mhanchuria,  do 
India,  agus  do  Africa,  tha  an  creideamh  fior 
a'  sior  mheudachadh  anns  na  dtithchanna  mora 
sin,  agus  eaglaisean  air  an  suidheachadh  annta, 
a  tha  ann  an  tomhas  mor  air  am  bonn  fein  ; 
ach  fhathast,  chan  'eil  iad  cho  steidhichte  is 
gu'n  seas  iad  gun  taic  gun  treoir  o'n  eaglais 
mhathaireil.  Mar  sin  feumar  leantuinn  air  a 
bhi  'g  an  cuideachadh  le  ministeirean,  luchd- 
teagaisg  cloinne,  lighichean,  mnathan-eiridinn, 
sgriobturan  agus  leabhraichean  eile  a  chumail 
riu  trid  am  bi  iad  air  an  comhf  hurtachadh,  agus 
am  bi  aobhar  Dhe  'n  am  measg  air  a  f  hreumh- 
achadhgus  mu  dheireadham  faodar  an  gnothuch 
uile  earbsadh  riu  fein.  Gus  an  tig  an  latha  sin, 
tha  e  mar  fhiachaibh  air  gach  ball  beo  de  'n 
Eaglais  an  t-saothair  phriseil  so  a  chuideachadh. 
Tha  an  Tighearna  an  deidh  dorus  farsuing 
fhosgladh  romhainn  anns  gach  duthaich  anns 
am  bheil  ar  n  -  Eaglais  a'  saothrachadh. 
Bhiodh  e  tamailteach  'n  an  tigeadh  oirnn  sgur 
le  cion  airgid  no  gainne  dhaoine,  an  uair  a  tha 
sinn  cho  saoibhir,  agus  an  uireasbhuidh-san 
cho  mor.  Chan  'eil  gnothach  eile  air  thalamh 
cho  airidh  ri  craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  am 
measg  nan  Cinneach  aineolach.  Bu  driiigh- 
teach  a  bhi  a  lathair  aig  an  t-Seanadh  am 
feadh  is  a  bha  buidheann  ghasda  de  ghillean 
agus  de  nigheannan  ullaichte  air  son  an  seirbhis, 
air  an  coisrigeadh  le  tirnuigh,  agus  air  an  near- 
tachadh  le  earail  dhiadhaidh  mu  'n  seol  iad  do 
na  dtithchannan  cein  ud  a  dh'  fhoillseachadh 
graidh  Dhe  dhoibh.  Tha  moran  d'  ar  sluagh 
a'  dol  annta  gun  choisrigeadh,  a'  sireadh  an 
saoibhreis  ;  tha  na  missionaries  a  mhain  a'  dol 
thuca  'g  an  deanamh  beartach  le  eolas  na 
beatha  maireannaich.  Tha  feum  air  tuilleadh 
d'  an  seorsa.  Ma  tha  oileinich  oga  Ghaidh- 
ealach  a'  cluinntinn  gairme  Chriosd  anns  an 
linn  so,  tha  e  'n  a  ioghnadh  mur  a  gluaisear  cuid 
dhiubh  a  dh'  ionnsuidh  na  seirbhis  so  ;  oir  tha 
am  fogharadh  mor  da-rireadh  agus  an  luchd- 
obair  fhathast  tearc. 


Carthannachd 


AIR  teangaidhean  thig  faiUgeadh  ; 
-  Air  faidheadaireach  thig  crioch 
Is  caithidh  gibht  is  eolas  as 
Mar  cheo  a  bhiodh  air  sKabh 
Ach  gaol  is  ni  neo-chriochnach  e, 
Bhios  siorruidh  buan  gu  brath, 
Oir  's  ann  an  uchd  na  Trianaid 
O  chian  a  ghin  an  gradh. 


'Se  'n  gaol  an  f hior  fhuil  uasal 
A  tha  gluasad  feadh  nam  ball, 
Toirt  beath'  is  blaths  is  arach 
Do  gach  uile  ghras  a  th'  ann  ; 
Tha  eadhon  am  fior  chreideamh 
A'  sior  oibreachadh  tre  ghaol, 
A'  sruthadh  nios  o'r>  tobar, 
A  chaidh  fhosgladh  'n  a  thaobh. 

UiLLEAM  Mac  Coinnich. 


Aireamh  9 


93 


Dorus  do  bhilean 

Gleidh  do  theangadh  o  olc, 

Agus  do  bhilean  o  labhairt  ceilg. — An  Salmadair  (xxxiv,  13) 


CO  is  urrainn  na  briathran  a  sgriobh  an 
t-abstol  Seumas  mu'n  teangaidh  a  leughadh 
gun  chrith  a  thighinn  'n  a  fheoil  le  eagal, 
eagal  gu'm  faod  a  theangadh  fein  a  bhi  Ian 
de  nimh  basmhor  ?  "  Is  teine  an  teangadh," 
ars'  esan  ;  "  saoghal  na  h-amgidheachd  am 
measg  ar  ball  ;  salaichidh  i  an  corp  gu  h-iomlan, 
agus  lasaidh  i  cursa  naduir  ;  agus  tha  i  fein 
air  a  lasadh  o  ifrinn."  Briathran  eagallach, 
briathran  a  bu  choir  do  chur  air  do  ghluinean 
a  dh'  iirnuigh  gu'n  gleidheadh  Dia  do  thean- 
gadh o  olc  agus  do  bhilean  o  labhairt  ceilg. 

Tha  fichead  doigh  anns  am  faod  daoine 
peacachadh  le'n  teangaidh,  ach  tha  cuid  de 
na  doighean  sin  as  miosa  na  each.  An  duine 
a  bhios  a'  mionnachadh  agus  a'  mallachadh, 
tha  an  duine  sin  a'  peacachadh  le  theangaidh, 
agus  a'  peacachadh  gun  aobhar.  Chan  'eil 
droch  chleachdadh  am  measg  dhaoine  as 
cumanta  na  mionnan,  ach  is  cleachdadh 
grannda  e  am  fianuis  Dhe  agus  dhaoine.  Tha 
luchd  nam  mionn  am  bitheantas  cho  mi- 
naomh  'n  an  cridhe  's  a  tha  iad  salach  'n  an 
cainnt,  gu  sonruichte  an  fheadhainn  dhiubh  a 
bhios  a'  toirt  ainm  an  Tighearn  an  diomhanas. 

Toibheum,  is  draosdachd,  is  cainnt  shalach, 
tha  na  nithean  sin  'n  an  graineileachd  do  Dhia. 
Ma  tha  duine  a'  toirt  fianuis-bhreige  an  aghaidh 
a  choimhearsnaich,  no  a'  togail  droch  thuaileas 
air,  tha  an  duine  sin  a'  peacachadh  le  thean- 
gaidh. Ma  bhitheas  sinn  a'  gearan  an  aghaidh 
Dhe  agus  a'  faotainn  coire  d'a  fhreasdal  ciod  a 
tha  an  sin  ach  peacadh  .''  Oir  tha  sinn  a'  cur 
eas-urram  air  Dia  le  ball  d'  ar  corp  a  thug  e 
dhuinn  a  chum  ainm  fein  a  ghlorachadh. 

Ach  is  e  am  peacadh  sonruichte  air  am  bu 
mhaith  learn  bruidhinn  aig  an  am  so,  breugan, 
oir  tha  mi  an  diiil  gur  e  sin  olc  as  miosa  is 
ijrrainn  duine  a  chur  an  gniomh  le  bhilean. 
Ged  is  oillteil  an  rud  toibheum,  no  mallachadh, 
faodaidh  dochas  as  f hearr  a  bhi  againn  a 
thaobh  luchd  nam  mionn  no  a  thaobh  luchd 
nam  breug.  Theid  daoine  a  steach  do  riogh- 
achd  Dhe  agus  iomadh  failing  annta  ach  cha 
teid  daoine  breugach  a  steach  innte.  Tha 
Facal  Dhe  a'  cur  "  an  neach  a  ghradhaicheas 
agus  a  ni  breug  "  air  an  aon  ghad  ri  luchd- 
striopachais,  agus  mortairean,  agus  luchd- 
iodhol-aoraidh.  Cha  teid  daoine  breugach  a 
steach  do  rioghachd  Dhe  a  chionn  gu  bheil 
puinnsean  anns  na  breugan  a  ghrodas  cridhe 
duine  gu  h-iomlan. 


Tha  cuid  de  pheacaidhean  a  dh'  fhaodar 
a  choimeas  ri  meang  a  chi  thu  ann  an  ubhal 
no  ann  am  meas  eile.  Ged  tha  meang  innte, 
agus  rud  beag  de  ghrodadh  anns  an  iomall, 
tha  an  cridhe  agus  an  corr  dhith  fallan  gu 
leoir.  Faodaidh  duine  a  bhi  rud  beag  gaol- 
ach  air  an  uisge-bheatha  ach  fhathast  a  bhi 
uasal,  glan,  caomhail,  'n  a  nadur  ;  faodaidh 
duine  a  bhi  trom  air  mionnan  ach  fhathast 
a  bhi  suairce  is  blath-chridheach.  Chan  'eil 
mise  a'  moladh  nam  failingean  sin  ann  an 
duine  air  bith,  ach  a  thaobh  iomadh  duine 
anns  a  bheil  iad,  tha  e  fior  nach  'eil  iad 
a'  dol  na's  doimhne  na  iomall  a  bheatha  agus 
a  naduir,  agus  gu  bheil  e  fallan  gu  leoir  'n 
a  chridhe,  ged  tha  meang  ann  a  ghabhas 
faicinn.  Ach  tha  luchd  nam  breug  mar 
ubhal  a  tha  grod  anns  a'  chridhe.  Ged  a  dh' 
fhaodas  an  craicionn  a  bhi  slan,  agus  a  dh' 
fhaodas  i  bhi  boidheach  gu  leoir  o'n  taobh  a 
muigh,  sgaoilidh  an  lobhadh  agus  oibrichidh 
e  am  bas  uair-eigin. 

Air  eagal  gu  'n  saoil  sibh  nach  'eil  mi  a' 
tomhas  mo  bhriathran,  no  gu  bheil  mi  na's 
truime  air  na  breugan  na  tha  Dia  fein,  bu 
mhaith  learn  a  chur  sios  air  an  duilleig  so  ciod 
a  tha  Facal  an  Tighearna  ag  radh  umpa. 

Chan  fhuirich  fear-lahhairt  bhreug  fa  chomhair 

vio  skid. 
Tii   nithean    is  fuathach    leis    an    Tighearna, 

uahhar,  is  hretigan,  is  dbrtadh  Jala  neo- 

chiontach. 
Is  graineileachd  do   '71   Tighearna   hilean   nam 

breug. 
Na  deanaibh  breug  d'a  cheile  do  bhrigh  gun 

do  chuir  sibh  dhibh  an  seann  duine. 
Isfearr  duine  bochd  na  breugaire. 
Cha  bhi  an  teanga  bhreugach  ach  car  tiota. 
Sgriosar  luchd-labhairt  bhreug. 
An  ti  a  labhras  breugan  cha  teid  e  as. 
Aig  na    h-uile  bhreugairean  bithidh  an    cuibh- 

riomi  anns  an  loch  a  tha  dearg  lasadh  le 

teine  agus  pronnusc. 
Am  measg  nan  daoine  a  bhios  air  an  diinadh  a 

much  as  a'  bhaile  naomh,  a  reir  Eoin,  tha 

gach   neach   a  ghradhaicheas   agus    a    ni 

breug. 

Ach  tha  breugan  is  breugan  ann.  Tha 
iomradh  agaifm  air  cuid  de  na  naoimh  a  thuis- 
lich  anns  a'  cheum  so  ach  a  rinn  aithreachas 
m'  an  eann  a  bha  a'  bhreuff  a  mach  as  am 


a 


DORUS  DO  BHILEAN— ANNS  A'  CHATHAIR 


bilean,    daoine    a    bha    air    am    buaireadh    gu 
h-obann  agus  a  bha  air  an  glacadh  ann  am 
peacadh  m'  an  deachaidh  iad  'n  am  faireach- 
adh.     Chan  ionann  dhaibh  sin  idir  agus  do'n 
t-seorsa   dhaoine   a  tha  air  am  beo   ghlacadh 
le  spiorad  nam  breug,  daoine  a  thig  a'  bhreug 
gu  am  bilean  cho  furasda  I'is  an  f hirinn.     Thuis- 
Hch    Abraham,    agus    lacob,    agus    Daibhidh, 
agus   Peadar,   anns   a'   cheum  so,   uair   'n  am 
beatha,  is  dhiol  iad  gu  goirt  air  a  shon,  ach  cha 
b'urrainn  duine  air  bith  a  chur  as  an  leth  nach 
bu    daoine   firinneach    iad.      Eadhon    an    uair 
a  bha  a'  bhreug  air  am  bilean  b'  ionmhuinn 
leo  an  fhirinn  an  taobh  a  stigh.     Ach  chan  ann 
mar    sin   do'n  t-seorsa   eile  ;    eadhon   an    uair 
a  tha  an  fhirinn  air  am  bilean  (agus  bithidh 
an  fhh'inn  aca  air  uairean)   is   ionmhuinn  leo 
cealg    agus    breugan    an    taobh    a    stigh.     B' 
ann  de'n  t-seorsa  so  Gehasi,  duine  cho  sleamh- 
ain    cealgach    's   a    tha    iomradh    air    anns    a' 
Bhiobull.     Tha     e     furasda    gu     leoir     dhuit 
breug  aithneachadh  ma  tha  duine  maith  'g  a 
h-innseadh  ;     thig   liodachd   is    gagaehd    'n    a 
theangaidh  agus  an  fhuil   'n  a  aodann.     Ach 
cha  robh  gagaehd  air  bith  ann  an  teangadh 
Ghehasi  an  uair  a  dh'  innis  e  an  naidheachd 
bhreugach  ud  do'n  fhaidh,  is  cha  mho.  a  thainig 
rudhadh  'n  a  ghruaidh.     Bha  e  suas  ri  breugan 
a  dhealbh,  agus  ann  an  larach  nam  bonn  rinn 
e  suas  naidheachd  a  bheireadh  an  car  a  Satan 
fein. 

Tha  da  naidheachd  anns  a'  Bhiobull,  te 
dhiubh  anns  an  t-Seann  Tiomnadh  agus  an 
te  eile  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  anns  a  bheil 
e  air  innseadh  gu'n  d'  thug  Dia  breitheanas 
uamhasach  air  daoine  a  dh'  innis  breugan  ; 
air  Gehasi,  seirbhiseach  Elisa,  agus  air  Ananias 
agus  air  a  mhnaoi.  Chaidh  Gehasi  a  mach  a 
fianuis  Elisa  'n  a  lobhar,  geal  mar  shneachd, 
is  thuit  Ananias  agus  Saphira  marbh  as  an 
seasamh.  Bha  am  peanas  uamhasach  gun 
teagamh,  ach  bha  peacadh  na  triiiir  an-trom- 
aichte. 

Bha  Ananias  'n  a  dhuine  sanntach  agus  'n 
a  dhuine  feineil  (feineil  anns  an  t-seagh  gu'm 
bu  toigh  leis  moladh  dhaoine  agus  gloir  shaogh- 
alta)  agus  gle  thric  tha  an  seorsa  dhaoine  sin 
buailteach  do  dhol  air  seachran.  Ma  chumas 
tu    do   shtiilean   fosgailte   chi    thu   gur   trie    a 


tha  daoine  sanntach,  breugach,  agus  daoine 
aig  a  bheil  inntinn  dhiomhain.  Na'n  d' 
thubhairt  Ananias  ri  Peadar,  Reic  mi  m' 
oighreachd,  is  tha  mi  a'  toirt  an  uiread  so 
de'n  phris  a  chuideachadh  aobhar  an  t-soisgeil, 
ach  tha  mi  a'  gleidheadh  trian  mhaith  de'n 
phris  air  mo  shon  fein,  chan  abradh  Peadar  ris 
gu'm  b'  olc  a  rinn  e.  Ach  rinn  e  fein  agus  a 
bhean  suas  eatorra  gu'n  tugadh  iad  an  car 
as  na  h-abstoil,  air  ghaol  a  bhi  mor  agus  a  bhi 
measail,  agus  air  ghaol  ainm  a  bhi  aca  air  son 
diadhaidheachd  agus  fialaidheachd  nach  do 
thoill  iad.  Chan  ann  do  dhaoine  a  rinn  iad  a' 
bhreug  ach  do  Dhia  ;  lion  Satan  an  cridhe  a 
dheanamh  breige  do'n  Spiorad  Naomh. 

Chan  ionghnadh  ged  tha  an  naidheachd  so 
a'  criochnachadh  leis  na  briathran,  "  Thainig 
eagal  mor  air  an  eaglais  uile,  agus  air  na  h-uile 
a  chuala  na  nithe  so."  Bha  e  feumail  gu'm 
faiceadh  an  eaglais  ann  an  ttis  a  toiseachaidh 
cho  graineil  's  a  tha  cealg  agus  breugan  am 
fianuis  Dhe  ;  bha  e  feumail  gu'm  bitheadh 
e  air  a  dheargadh  air  inntinn  nan  creidmheach 
gur  e  tuarasdal  nam  breug  am  bas. 

Cha  bhi  fianuis  bhreige  gun  pheanas  ;  agus 
sgriosar  an  ti  a  labhras  breugan  (Gnath-Fhacail 

xix.  9). 

***** 

(1)  An  urrainn  breugaire  a  bhi  'n  a  char  aid 
dileas  ? 

(2)  Co  is  fhearr  leat,  an  duine  a  their  riut  an 
rud  a  chordas  riut  no  an  duine  a  dh'  in7iseas  dhuit 
do  lochdan  ? 

(3)  Cia  dhiubh  is  fhearr,  siobhaltachd  no  an 
fKirinn  lorn  ? 

(4)  Ciod  an  saoghal  a  bhitheadh  ann  mur  biodh 
neach  idir  a'  labhairt  nafirinn  ? 

(5)  Agus  ciod  an  saoghal  a  bhitheadh  ann  nan 
robh  a  h-uile  duine  firinneach  ? 

Fagaidh  mi  ceithir  de  na  ceistean  sin  agaibh 
gu  bhi  a'  cnuasachadh  orra  air  bhur  n-athais 
fein,  los  bhur  buadhan  a  chleachdadh  a  chum 
eadar-dhealachadh  a  chur  eadar  maith  agus 
olc,  ach  freagraidh  mi  fhein  a'  cheist  mu  • 
dheireadh  bho'n  a  tha  i  furasda.  Na'n 
labhradh  a  h-uile  duine  air  thalamh  an  fhirinn 
bhiodh  rioghachd  Dhe  air  teachd,  is  bhiodh 
gairdeachas  an  lathair  aingle  Dhe  air  neamh. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  beagan  sheachduinean  sgriobh 
duine-eigin  thugam  nach  do  chuir  ainm 
ris  an  litir,  ag  iarraidh  orm  luchd-leughaidh 
nan  duilleagan  Gaidhlig  a  chur  'n  an  earalas 
air  an  teagasg  a  tha  air  a  thoirt  seachad  leis 
na  daoine  ris  an  abrar  Oxford  Groups.  Bha 
an  litir  gu  maith  fada,  is  leudaich  e  air  na 
mearachdan  a  tha  iad  a'  teagasg  agus  air  na 


doighean  a  tha  aca  nach  'eil  a  reir  nan  Sgriob- 
turan.  Thubhairt  e  nach  'eil  iad  a'  teagasg 
idir  gu  bheil  eifeachd-saoraidh  ann  am  bas 
Criosd,  agus  gu  bheil  iad  an'diiil  gu'n  teid 
aca  air  iad  fein  iompachadh  le  bhi  smachd- 
achadh  an  toile  agus  le  bhi  dluth  leanmhuinn 
ann  an  ceumanna  Chriosd.  Sin  agus  moran 
eile   nach  ruig  mi   a  leas   a   chur   sios    air  an 


ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


duilleig  so,  thubhairt  e  umpa,  a'  faotainn  coh'e 
dhaibh,  agus  ag  ian-aidh  orm  mo  ghuth  a 
thogail  'n  an  aghaidh. 

Cha  tog  mise  mo  ghuth  'n  an  aghaidh,  no  an 
aghaidh  duine  no  daoine  eile  a  tha  ag  iarraidh 
an  Tighearn  agus  ag  aoradh  dha,  ciod  air 
bith  doigh  anns  a  bheil  iad  'g  a  dheanamh, 
no  ciod  air  bith  beachdan  a  tha  aca.  Chan 
urrainn  mi  a  radh  gu  bheil  mi  mion-eolach  air 
teagasg  no  air  doighean  Buidhnean  Oxford  ; 
chan  aithne  dhomh  umpa  ach  na  's  aithne 
do'n  h-uile  duine  a  bhios  a'  leughadh  nam 
paipearan-naidheachd,  no  nan  leabhraichean 
a  bhios  iad  fein  a'  cur  a  mach.  Ach  bu  mhaith 
leam  fianuis  a  b'  fhearr  na  facal  an  duine  ud 
m'  an  ditinn  braithrean  air  bith,  oir  bha  e 
soilleir  o'n  htir  aige  gur  ann  do'n  eaglais 
Chruaidh  a  bhuineas  e  agus  nach  leigeadh  e 
caora  a  steach  do'n  chro  mur  robh  an  cil  aige 
fhein  oirre. 

Cha  toigh  leam  an  seorsa  inntinn  sin  idir  oir 
tha  mi  an  diiil  gu  bheil  i  calg  dhireach  an 
aghaidh  inntinn  Chriosd.  Cha  robh  laghair- 
eachd  annsan  ;  cha  b'  ann  air  facail  no  air 
beachdan  a  bha  e  a'  cur  cudthrom  ach  air 
durachd  cheart  agus  ionracas  ;  bu  choma  leis 
CO  dhiu  a  theireadh  a  dheisciobuil  Sibolet  no 
Shibolet,  is  tha  mi  cinnteach  nach  diiiltadh  e 
comh-oibreachadh  le  daoine  aig  a  bheil  iiigh 
ann  an  rioghachd  Dhe  agus  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh  eadhon  ged  bhiodh  beachdan 
cearr  no  leanabail  aca. 

Slat-thomhais  chearr 

Tha  sinn  uile  ro  dheas  gu  bhi  a'  cur  tuilleadh 
's  a  choir  de  chudthrom  air  na  beachdan  a  tha 
aig  duine,  agus  gu  bhi  a'  saoilsinn  nach  urr- 
ainn e  a  bhi  'n  a  dhuine  maith  mur  bheil 
na  beachdan  ud  no  na  beachdan  ud  eile  aige. 
Ach  chan  'eil  an  sin  ach  a  bhi  tomhas  dhaoine 
le  slat-thomhais  chearr.  Tha  "  beachdan  " 
coltach  ri  biadh  ;  am  biadh  a  fhreagras  air 
an  dara  duine  cha  fhreagair  e  air  an  duine  eile. 
Tha  e  glic  dhuinn  viile  an  seorsa  bidh  a  fhreagras 
oirnn  a  ghabhail  co  dhiu  a  chordas  e  ri  daoine 
eile  no  nach  cord  ;  is  e  dearbhadh  a'  bhidh 
gu  bheil  e  a'  deanamh  feum  dhuinn.  Sin  mar 
tha  "  beachdan  "  ;  ma  tha  na  beachdan  a  tha 
aig  duine  mu  Dhia  agus  mu'n  bheatha  spiorad- 
ail  a'  deanamh  feum  d'a  anam  tha  iad  fior 
dhasan  ged  nach  biodh  iad  fior  do  dhaoine 
eile.  Tha  mile  tobar  anns  an  t-saoghal  as  am 
faod  mac  an  duine  uisge  a  tharruing  a  shasuich- 
eas  a  thart,  agus  mile  fliir  anns  am  faigh  e 
mil  d'a  anam,  a  thuilleadh  air  na  buaghlain- 
bhuidhe.  Coma  leam,  mata,  a  bhi  diteadh 
dhaoine  a  chionn  nach  'eil  na  h-aon  bheachdan 
aca  a  tha  agam  fein.  Ma  tha  iadsan  agus  mise 
ag  iarraidh  an  Tighearn  gu  diirachdach,  no 
ma  tha  gaol  againn  air  na  nithean  a  tha  urram- 
ach   is   fior-ghlan,   tha   sinn   ag    imeachd   air 


an  aon  rathad,  ciod  air  bith  na  "  beachdan  "  a 
tha  againn,  no  ciod  air  bith  buidheann  a  tha 
sinn  a'  leantuinn,  no  baile  a  tha  sinn  ag  aideach- 
adh  mar  bhaile  ar  diichais,  an  Roimh,  no 
Geneva,  no  Canterbury,  no  Oxford. 

An  searmonachadh  ceart 
Mar  a  thubhairt  mi  cheana  chan  'eil  mise 
mion-eolach  air  na  doighean  no  air  an  teagasg 
a  tha  aig  Braithrean  Oxford,  ach  cho  fad  's 
a  tha  mi  a'  tuigsinn  a'  ghnothuich,  chan  'eil 
iad  ach  a'  toirt  air  ais  ann  am  beatha  na  h- 
eaglais  searm  nithean  air  an  do  rinn  sinne 
dearmad.  Ged  tha  doighean  iira  aca  chan  "eil 
a'  bheag  de  theagasg  iir  aca,  is  chan  'eil  iad 
ag  aideachadh  Maighstir  eile  ach  Criosd. 
Ach  tha  iad  a'  creidsinn  gu  bheil  e  comasach 
do  dhaoine  a'  bheatha  naomh  agus  mhaiseach 
a  chunnacas  ann  an  Criosd  a  leantuinn,  ma! 
ghabhar  an  doigh  oirre  a  tha  iadsan  a'  gabhail. 
Chan  ann  a  dh'  innseadh  mu  na  doighean 
sin  a  thug  mi  tarruing  air  Buidhiean  Oxford 
an  drasd,  ach  tha  aon  doigh  aca  a  bu  mhaith 
leam  ainmeachadh,  a  chionn  gu  bheil  mi  a' 
creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gu'm  biodh  e 
buannachdail  do'n  eaglais  na'n  leanadh  mini- 
stearan  i.  Is  e  sin,  am  fianuis  agus  am  fios- 
rachadh  fein  a  thoirt  seachad  anns  a'  chiibaid 
an  aite  a  bhi  deasbud  agus  a'  teangaireachd 
gun  sgur  mu  nithean  eile  nach  'eil  na's  dliiithe 
do  chridhe  na  diadhaidheachd  na  muillean 
mile.  Ciod  am  feum  a  tha  ann  do  mhinistear 
a  bhi  searmonachadh  Sabaid  an  deidh  Sabaid 
mu  thuiteam  a'  chinneadh-daonna,  no  mu'n 
bhardachd  a  tha  anns  na  Sailm,  no  mu  Herod 
no  Caiaphas,  no  mu  chor  nan  rioghachdan,  no 
eadhon  a  bhi  deanamh  deasboireachd  thioram 
nach  'eil  furasda  a'  tuigsinn  mu  Chumhnant 
nan  Gras,  mur  aithris  e  uair  air  bith  na  rinn 
Criosd  air  son  anama  ? 

Tha  an  sluagh  a'  fas  seachd  sgith  de  'n 
t-seorsa  searmonachaidh  a  tha  iad  a'  cluinntinn 
ann  an  ciibaidean  na  h-Alba  an  diugh  ;  tha  iad 
ag  iarraidh  seolaidh  anns  a'  bheatha  dhia- 
dhaidh, ach  an  aite  seolaidh  a  thoirt  dhaibh, 
no  fianuis  phearsonta  mu  na  riaghailtean  leis 
a  bheil  sinn  a'  cumail  suas  ar  co-chomunn  fein 
ri  Dia,  cha  toirear  dhaibh  ach  oraidean  tioram 
mu  eaglaisean  na  h-Asia,  no  mu'n  daimh  a  tha 
eadar  an  Creideamh  Criosduidh  agus  Science, 
no  mu'n  doigh  anns  nach  do  choimhead  an 
t-Iompaire  Domitian  an  t-Sabaid. 

Tha  an  sluagh  a'  fas  sgith  dheth  sin.  Is 
beag  aca  Domitian,  no  muinntir  Ghalatia, 
no  eaglaisean  na  h-Asia,  no  creideamh  is 
cleachdanna  nan  ludhach  ;  cha  rachadh  iad 
fad  an  coise  a  chluinntinn  umpa.  Ach  tha 
iarraidh  aca  'n  an  cridhe  air  cumhachd  air 
chor-eigin  a  chuidicheas  leo  ruighinn  air  a' 
bheatha  bhuadhmhoir  agus  naoimh  air  an  d' 
fhuair  iad  plathadh  ann  an  losa  Criosd,  agus 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


tha  iad  a'  feitheamh  ri  neach  a  bheireas  air 
laimh  orra  agus  a  dh'  innseas  dhaibh  gu 
simplidh  agus  gu  soilleir  ciamar  a  gheibh  iad 
an  ni  a  tha  iad  ag  iarraidh. 

Sin,  mata,  an  dearbh  rud  a  tha  Buidhnean 
Oxford  a'  deanamh  ;  tha  iad  a'  breith  air 
laimh  air  daoine  ann  an  spiorad  a  bhraithreach- 
ais  ;  ag  innseadh  dhaibh  gu  saor  ciamar  a 
bha  iad  fein  air  an  saoradh  o'n  pheacadh  ud 
agus  o'n  pheacadh  ud  eile,  agus  le  am  fianuis 
agus  an  eisempleir  a'  dusgadh  creidimh  annta 
gu'n  teid  aca-san  air  a'  cheart  bhuaidh 
fhaotainn  ma  leanas  iad  na  riaghailtean  a 
thatar  a'  toirt  dhaibh.  Tha  aireamh  mhor 
dhaoine  anns  an  duthaich  so  nach  do  thoisich 
riamh  air  an  oighreachd  a  tha  aca  ann  an 
Criosd  a  shealbhachadh  gus  an  tainig  iad  fo 
bhuaidh  an  teagaisg  so  ;  daoine  a  tha  nis  'n  an 
coinnlean  anns  an  dorchadas  do  hichd-turuis 
eile. 

Mar  sin  cha  tog  mise  mo  ghuth  gu  brath 
an  aghaidh  dhaoine  a  tha  feuchainn  ri  curam 
anama  a  dhiisgadh  ann  an  daoine  eile,  ciod  air 
bith  na  beachdan  a  dh'  fhaodas  a  bhi  aca. 
B'  fhearr  leam  gu  robh  dha  no  tri  dhiubh  ann 
am  choimhthional  fein  gus  beatha  a  chur 
anns  na  cnamhan  tioram. 

An  criathar  cothromach 
Ma  tha  beachdan  cearr  aca  criathraidh  Tim 
iad,  is  dealaichaidh  Tim  an  cruithneachd  o'n 
mholl,  ach  is  e  an  t-aobhar  gu'n  do  shoirbhich 
Dia  leo,  mar  tha  e  gun  teagamh  &  deanamh, 
gu  bheil  an  teagasg  air  aideachadh  agus  air  a 
sheulachadh  leis  an  Spiorad  Naomh. 

Nach  fior  agus  nach  sgriobturail  an  teagasg, 
nach  'eil  dad  a'  cumail  dhaoine  bho  cho- 
chomunn  dliith  a  bhi  aca  ri  Dia,  agus  bho 
aoibhneas  spioradail,  ach  am  peacaidhean  fein  ? 
Agus  nach  fior  agus  nach  sgriobturail  an  teag- 
asg, nach  'eil  feum  ann  do  dhuine  diiil  a  bhi 
aige  gu'm  faigh  e  an  neart  agus  an  t-aoibhneas 
agus  an  t-saorsa  spioradail  a  bha  aig  Criosd 
ann  an  tomhas  cho  pailt  gus  an  cuir  e  an  tuagh 
ri  bun  a  pheacaidhean,  agus  an  gearr  e  dheth 
a  lamh  no  ball  air  bith  eile  a  tha  a'  toirt  air 
tuisleachadh  }  Agus  nach  fior  agus  nach 
sgriobturail  an  teagasg,  gur  e  so  na  cumhachan 
air  an  ruig  sinn  air  an  t-seorsa  beatha  a  bhi 
annainn  fein  a  bha  ann  an  Criosd,  a  bhi  cho 
glan  'n  ar  cridhe  ris  an  or,  a  bhi  cho  fosgailte 
onorach  'n  ar  cridhe  ri  solus  na  greine,  an 
Fhein  a  bhi  marbh  annainn  gu  buileach  agus 
Gradh  a  bhi  beo  annainn  mar  theine  ?  Chan 
'eil  agad  ach  na  cumhachan  sin  ainmeachadh 
ann  an  eisdeachd  neach  air  bith,  agus  mur 
cealgair  e  no  mur  bheil  e  'g  a  mhealladh  fein, 
aidichidh  e,  "Co  a  tha  foghainteach  air  son 
na  nithe  so  ?  "  Chan  'eil  duine  air  an  t-saoghal 
foghainteach  air  an  son  'n  a  neart  no  'n  a  ghliocas 
fein,  ach  buidheachas  do  Dhia  gu  bheil  e  a' 


toirt    dhuinn    na    buadha    tre    losa    Criosd    ar 
Tighearna. 

Da  aobhar-oilbheim 

Theagamh  gur  e  an  da  phuing  as  mo  a  tha 
cur  an  t-saoghail  'n  an  aghaidh  (1)  gu  bheil 
iad  ag  iarraidh  air  daoine  an  uile  pheacaidhean, 
diomhair  is  follaiseach,  innseadh  agus  aideach- 
adh gu  saor  do  bhrathair  air  chor-eigin  no 
ann  an  co-chomunn  nam  braithrean,  agus 
(2)  gu  bheil  iad  ag  iarraidh  seolaidh  o'n  Spiorad 
Naomh  ann  an  cuisean  anns  am  faodadh  iad 
an  tiir  nadurra  a  chleachdadh.  Ach  anns  an 
da  cheum  so  tha  Braithrean  Oxford  cho 
sgriobturail  's  a  tha  iad  ann  am  puingean  eile. 

Tha  e  duilich  do  dhuine  a  pheacaidhean  uile 
aideachadh  am  fianuis  a  bhraithrean,  agus  a 
lomnochd  a  nochdadh  dhaibh  ;  is  theagamh 
gu  bheil  cunnartan  spioradail  'n  a  lorg  nach  'eil 
cuid  de  na  braithrean  a'  saoilsinn,  a  thuil- 
leadh  air  cunnartan  eile  a  dh'  fhaodas  cron 
a  dheanamh  ann  an  teaghlaichean,  ach  air 
a  shon  sin  tha  an  cleachdadh  so  ceart  ann 
fein  agus  buannachadail  anns  a'  bheatha 
spioradail.  Ach  tha  e  ag  iarraidh  gliocais 
agus  gradh  agus  ionracas  anns  an  fheadhainn 
a  dli'  aidicheas  agus  anns  an  fheadhainn  a  dh' 
eisdeas.  "  Ma  ghlacar  neach  ann  am  peacadh 
air  bith,  sibhse  a  tha  spioradail  thugaibh  air 
ais  a  shamhuil  sin  de  dhuine  ann  an  spiorad  na 
macantachd." 

Tha  Facal  an  Tighearn  ag  innseadh  dhuinn 
gu  bheil  Dia  a'  toirt  comhairle  d'a  shluagh, 
agus  gu'n  treoraich  e  na  daoine  ciiiin  ann 
am  breitheanas.  Thubhairt  ar  Slanuighear  r'a 
dheisciobuil  gun  ro-churam  a  bhi  orra  cionnus 
no  ciod  a  labhradh  iad,  an  uair  a  bhiodh  iad 
ann  an  teanntachd  air  a  sgath-san,  "  oir 
bheirear  dhuibh  anns  an  uair  sin  fein  an  ni 
a  labhras  sibh."  Car  son,  ma  ta,  nach  biodh 
diiil  againn  ri  treorachadh  an  Spioraid  Naoinih 
anns  a  h-uile  ceum  d'  ar  beatha  ?  Co  is  ur- 
rainn  a  radh  c'  aite  a  bheil  solus  ar  tuigse  fein  a' 
stad  agus  obair  an  Spioraid  Naoimh  a'  toiseach- 
adh  ?  Nach  ann  o  Dhia  a  tha  iad  le  cheile  } 
Duine  air  bith  a  bhios  ag  iirnuigh  gun  sgur, 
agus  a  bhios  a'  nieomhrachadh  air  Facal  an 
Tighearn  gun  sgur,  gu  h-iriosal  agus  gu  treibh- 
dhireach,  faodaidh  an  duine  sin  earbsa  laidir 
a  bhi  aige  gu'n  treoraich  Dia  a  cheumanna 
agus  gu'm  foillsich  e  dha  a  ruintean.  "  Tha 
riin  an  Tighearn  aig  an  dream  d'  an  eagal  e." 

An  aite  na  coinnimh-urnuigh 

Tha  da  smuain  a  bhios  daonnan  'n  am 
inntinn  an  uair  a  chluinneas  mi  Buidhnean 
Oxford  air  an  ainmeachadh  ;  (1)  gu  bheil 
am  braithreachas  iu*  so  a'  gabhail  aite  na 
coinnimh-lirnuigh  ann  am  beatha  chreidmheach, 
agus  (2)  gu  bheil  an  teagasg  aca  a'  gabhail 
aite  an  teagaisg  a  bhiodh  soisgeulaichean  mar 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


bha  Moody  agus  Sankey  a'  toirt  d'  ar  n-aithrich- 
ean,  ach  ris  nach  gabhadh  a'  ghineal  ur  an 
diugh. 

Tha  a'  choinneanih-iirnuigh  air  dol  as  an 
Albainn,  ach  dh'  fhag  sin  aite  falamh  ann  am 
beatha  na  h-eaglais  a  dh'  fheumar  a  lionadh 
le  rudeigin  eile,  oir  tha  bi-aithreachas  agus  co- 
chomunn  chreidhmheach  eile  cho  feumail  do 
Chriosduidhean  ri  iirniiigh  agus  briseadh 
arain.  "  Labhair  iadsan  air  an  robh  eagal 
an  Tighearna,  gach  aon  gu  trie  ri  cheile." 
Anns  a  h-uile  coimhthional  gheibhear  buidh- 
eann  beag  do    dhaoine    anns  a  bheil  spiorad- 


alachd  os  cionn  chaich.  Sin  am  buidheann  a 
b'  abhaist  a  bhi  a'  coinneachadh  ri  cheile  anns 
a'  choinneamh-iu-nuighj  a'  connh-phairteachadh 
ri  cheile  an  aidmheil,  am  buairidhean,  am 
fianuis,  am  fein-fhiosrachadh,  agus  an  iirnuigh- 
ean,  ach  chaill  iad  a'  choinneamh-iirnuigh  is 
chan  aithne  dhomh  ciod  eile  a  tha  aig  an 
eaglais  ri  thairgsinn  dhaibh.  Is  bochd  am 
braithreachas  a  gheibhear  ann  am  Badminton, 
no  ann  am  ping-pong,  an  coimeas  ri  co-chomunn 
bhraithrean  anns  a'  choinneamh-tirnuigh.  Mar 
a  sheargas  a'  choinneamh-urnuigh  cinnidh 
Buidhnean  Oxford. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


CHAN  'EIL  uair  a  chluinneas  no  leughas  mi 
na  briathran,  "  Esan  a  shaoileas  gu  bheil  e 
'n  a  sheasamh,  thugadh  e  an  aire  nach  tuit  e  " 
(1  Corint.  X.  12),  nach  cuimhnich  mi  air  Cairis- 
tiona  Chaimbeul,  seana  mhaighdean  a  bha 
riaghladh  a  h-uile  duine  a  bhuineadh  dhi  ann 
an  Cille-sgumain  fad  da  fhichead  bliadhna, 
gun  chead,  gun  choir,  gun  ughdarras,  ach  a 
mhain  an  cead  agus  an  t-iighdarras  a  bheir 
guth  agus  toil  laidir  do  bhoirionnach  a  tha  gu 
nadurra  smachdail. 

B'e  Cairistiona  an  t-aon  a  bu  shine  ann  an 
teaghlach  a  h-athar,  agus  a  thaobh  's  gu  robh 
a  mathair  'n  a  boirionnach  ciiiin  meineil  nach 
robh  anabarrach  laidir  no  forsail  a  chur  air 
aghaidh  obair  an  t-saoghail  ghabh  Cairistiona 
command  gu  maith  trath,  is  thainig  farum  'n 
a  guth  nach  cluinn  thu  ach  ann  an  guth  sgiob- 
airean  no  mhaigstirean-sgoile. 

Bha  triiiir  bhraithrean  aice  agus  triuir 
pheathraichean  ;  aon  as  deidh  aoin  sgaoil  an 
teaghlach  an  sgiathan  is  chaidh  iad  air  cheann 
gnothuich  dhaibh  fein  gus  niu  dheireadh 
nach  robh  air  fhagail  anns  an  t-seann  dachaidh 
ach  Cairistiona,  an  nighean  a  bu  shine,  agus 
Iain,  am  mac  a  b'oige.  Shiubhail  na  seann 
daoine  ;  bha  a  braithrean  agus  a  peathraichean 
uile  posda,  agus  tighean  agus  teaghlaichean  aca 
dhaibh  fein  ann  an  Glaschu.  An  sin  ghabh  Iain 
'n  a  cheann  gu'm  posadh  e  ban-mhaighstir-sgoile 
a  Dun-eideann  a  bhiodh  a'  tighinn  do  Chille- 
sgumain  anns  an  t-samhradh,  ach  ma  ghabh 
esan  sin  'n  a  cheann,  cha  tainig  eadhon  an 
smuain  an  ceann  a  pheathar  gu'm  bu  choir 
dhi  an  tigh  a  nis  fhagail  agus  leigeil  le  bean 
Iain  an  stiuir  a  ghabhail. 

Cha  bhiodh  e  ceart  a  radh  ffu'n  do  shuidh 
i  far  an  robh  i,  oir  's  e  suidhe  an  rud  mu  dheir- 
eadh a  bu  mhaith  le  Cairistiona  Chaimbeul  a 
dheanamh  ;  bha  i  air  a  casan  fad  finn  foinn- 
each  an  la,  ag  obair  i  fein  agus  a'  cumail 
dhaoine  eile  ag  obair  cuideachd.  Ach  lean  i 
oirre  mar  nach  biodh  atharrachadh  air  bith 
anns  an  tigh  seach  mar  bha  e  an  uair  a  bha 


i  fein  agus  Iain  leo  fein,  a'  riaghladh  agus  a 
sgiobaireachd  mar  a  b'  abhaist,  agus  a'  cur 
sios  air  a'  ghineil  oig. 

Boirionnach  Glic 

Gu  fortanach  bha  bean  Iain  'n  a  boirionnach 
glic  ;  chan  e  mhain  gu  robh  tobar  tuigse  'n 
a  h-inntinn  ach  bha  tobar  abhacais  innte 
cuideachd,  agus  eadar  sin  agus  gu'n  robh 
cridhe  blath  agus  uasal  aice  gu  nadurra,  thuig 
i  Cairistiona  na  b'  fhearr  na  b'  aithne  do  Chaii'- 
istiona  i  fein,  bho  'n  cheud  la  a  chaidh  iad 
comhla.  An  aite  e  bhi  'g  a  bioradh  gu  robh 
roinn  d'a  h^iighdarras  mar  bhean-an-tighe  an 
laimh  agus  an  teangaidh  Cairistiona  cha  robh 
eud  no  raiteachas  eatorra  riamh,  oir  bha  fhios 
aice  gu  maith  nach  robh  neach  air  an  t-saoghal 
a  bu  dilse  dhi  na  a  piuthar-cheile.  Bha  fhios 
aice  nach  b'  ann  air  ghaol  ise  a  ghoirteachadh 
no  chumail  'n  a  h-aite  a  bhiodh  Cairistiona  a' 
toirt  ordain  do'n  h-uile  duine  eadar  an  citsin 
agus  an  seomar,  eadar  an  sabhal  agus  a' 
bhathach,  eadar  am  fang  agus  an  iodhlann, 
fad  an  latha,  ach  a  chionn  gu'm  b'e  sin  a 
doigh  agus  a  nadur.  Cha  robh  dad  's  an  t-seall- 
adh  aig  Cairistiona  ach  gu'ri  saoradh  i  bean 
Iain  o  obair  shalach  agus  o  dhragh,  agus  gu'n 
dionadh  i  Iain  fein  o  sheirbhisich  leasga. 
"  Gu  de  a  dheanadh  an  tigh  no  am  baile  so," 
bhiodh  i  ag  radh,  air  uairean  gu  beag  rithe 
fein,  agus  air  uairean  eile  ann  an  guth  sgail- 
eanta  a  bheireadh  air  a'  bhalach-bhuachaille 
leum  as  a  shuidhe  agus  an  cigarette  a  thilgeadh 
bhuaith,  "  mur  bithinn-sa  air  'ur  sail  gun 
sgur." 

Teanga  Gheur 

Cha  robh  duine  a  bhiodh  a'  tadhall  aig  tigh 
Iain  nach  d'  fhuair,  uair  no  uaireigin,  ruith  na 
teangadh  aig  Cairistiona  ;  am  biiidsear,  fear- 
a-ghuail,  gille-nam-briosgaidean,  treabhalair 
Chooper,  is  feadhainn  de'n  t-seorsa  sin — bha  i 
cinnteach  nach  robh  annta  air  fad  ach  slaighd- 
earan  a  bha  feuchainn  ri  Iain  a  chreachadh. 
Air  uairean  gheibheadh  Iain  fein  sgrailleadh 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


d'a  teangaidh  oir  bha  i  an  dull  nach  robh  ann 
ach  am  paisde  an  coimeas  rithe  fein  anns  gach 
ni  a  bhuineadh  do  mhalairt  agus  do  chur  air 
aghaidh  an  t-saoghail.  Ach  cha  dubhairt 
i  riamh  facal  cearr  ri  bean  Iain,  no  mu  bhean 
Iain,  agus  na'n  deanadh  neach  eile  uiread 
agus  droch  shuil  a  thoirt  oirre  bu  cho  maith 
dha  aghaidh  a  thoirt  air  cat-fiadhaidh  ri  aghaidh 
a  thoirt  air  Cairistiona.  Bha  de  mheas  aice 
air  bean  Iain  's  nach  bu  mhaith  leatha  leigeil 
leatha  dad  a  dheanamh  de'n  teangaireachd 
no  de'n  trod  a  bhiodh  i  fein  a  deanamh.  Bha 
i  Ian  chinnteach  nach  gabhadh  obair  an  t-saogh- 
ail a  chur  air  a  h-aghaidh  gun  duine  air  chor 
eigin  a  bhi  trod,  agus  b'  fhearr  leatha  i  fein 
a  bhi  trod  seach  bean  Iain. 

Ged  bhiodh  i  'g  an  smadadh  le  teangaidh  agus 
a'  toirt  ordain  dhaibh  gun  sgur,  bha  i  ana- 
barrach  gaolach  air  a  cuideachd  fein  agus 
anabarrach  coibhneil  riu,  gu  sonruichte  ri 
clann  a  braithrean  agus  a  peathraichean  a 
bha  fuireach  ann  an  Glaschu.  A  h-uile  samh- 
radh  bhiodh  feachd  dhiubh  a'  tighinn  do  thigh 
Iain  aig  an  Fhaidhir  ;  bhiodh  uiread  dhiubh 
ann  's  gu'm  biodh  na  balaich  air  an  cur  do'n 
t-sabhal  a  chadal.  Ged  bhiodh  fadachd  air 
Cairistiona  gus  an  tigeadh  an  Fhaidhir,  agus 
ged  bha  i  cho  gaolach  curamach  mu'n  chloinn 
ri  cearc-thomain  m'a  h-al,  bhiodh  i  ag  radh 
riu  fein  agus  ri  am  parantan  "  nach  robh  annta 
ach  sgealban  de  Shatan,  agus  mur  biodh  ise 
air  an  sail,  gu'n  cuireadh  iad  an  sabhal  air 
theine,  no  gu'm  bathadh  iad  iad  fein,  no  nach 
biodh  coileach  aice  gun  a  chas  air  a  briseadh, 
no  cat  gun  an  t-siiil  air  a  cur  as." 

Gaoth  Laidir 
An  uair  a  rachadh  Caristiona  gu  trod  ris  a' 
chloinn  cha  deanadh  Iain  agus  a  bhean  agus 
each  ach  sealltuinn  air  a  cheile  le  snodha  gaire, 
agus  aontachadh  leatha  gu  tiirsach  nach  robh 
annta  ach  droch  gharlaich  agus  fior  sgealban 
de  Shatan,  agus  gu'm  bu  mhaith  an  gnothuch 
na'n  seachnadh  iad  a'  chroich.  Ann  am 
mionaid  dh'  atharraicheadh  a'  ghaoth  laidir 
o'n  iar-thuath  gu  gaoth  a  bu  laidire  o'n  ear- 
dheas,  is  theireadh  i  riu  gu'm  bu  ghlice  a' 
chlann  na  iad  fein  "  nach  robh  a  leanaban 
gaolach  a'  deanamh  dad  cearr,  agus  gu'm  bu 
bhochd  an  gnothuch  mur  faigheadh  clann  a 
bha  air  an  glasadh  mar  phriosanaich  ann  an 
Glaschu  grannda  fad  na  bliadhna  beagan 
saorsa  aon  seachduin  air  an  diithaich."  Ri 
h-aghaidh  theireadh  a'  chlann  Auntie  ri  Cairi- 
stiona ach  air  a  ctilaibh  'n  am  measg  fein  is  e 
H.  T.  a  bhiodh  aca  oirre,  litrichean  a  bha  a' 
eiallachadh  Holy  Terror. 

*  *  *  *  * 

Bhiodh  a  bi*aithrean  agus  a  peathraichean 
ag  iarraidh  oirre   a  h-uile  bliadhr^a  sgriob   a 


ghabhail  do  Ghlaschu  a  dh'  fhuireach  greis 
leo  mu  seach.  Ach  cha  ghealladh  i  dhaibh 
dol  ann.  Ged  nach  robh  i  riamh  ann  an  Glaschu 
cha  robh  aice  air  muinntir  Ghlaschu  ach  barail 
bhochd,  is  bhiodh  i  ag  radh  nach  rachadh 
duine  air  bith  do  Ghlaschu  na'm  faodadh  e  a 
sheachnadh.  Ach  leum  e  'n  a  ceann  aon  deir- 
eadh  earraich  a  bha  an  Righ  a'  tighinn  do 
Ghlaschu  gu'n  rachadh  i  a  dh'  fhaicinn  a  cuid- 
eachd agus  theagamh  gu'm  faiceadh  i  an 
Righ.  Eadhon  'n  a  siubhal  cha  robh  Cairi- 
stiona Chaimbeul  coltach  ri  daoine  eile  ; 
chuir  i  roimhpe  gu'n  tigeadh  i  air  a  cairdean 
gun  fhios  daibh,  is  chuir  i  boidean  air  Iain  agus 
air  a'  mhnaoi  nach  sgi'iobhadh  iad  chuca  agus 
nach  innseadh  iad  gu  robh  i  dol  a  mach.  "  Cha 
phaisde  mise,"  ars'  ise,  "  nach  deanainn  mo 
rathad  fein." 

An  turus  tubaisteach 

Dh'  fhalbh  i  agus  baga  'n  a  laimh,  agus  anns 
an  laimh  eile  pasgan  mor  anns  an  robh  ceithir 
coilich  air  an  suaineadh  ann  am  paipear. 
Bha  a'  bhoineid  a  b'  fhearr  a  bha  aice  air  a 
ceann  ;  cha  tiochdadh  i  anns  a'  bhaga,  is  bha 
i  suidhichte  gu'n  rachadh  i  a  dh'  eaglais 
Chaluim-cille  air  an  t-Sabaid  a  dh'  eisdeachd 
an  Urramaich  Alasdair  Mac  Dhomhnuill,  M.A., 
air  am  biodh  i  a'  cluinntinn  na  cloinne  a' 
bruidhinn. 

An  uair  a  rainig  i  Glaschu  's  a  dh'  fhag  i 
an  carbad-iaruinn  aig  Sraid  Bhochanan  sheas 
i  greis  bheag  aig  a'  gheata,  a'  sealltuinn  air  na 
daoine  a  bha  dol  seachad  feuch  am  faiceadh 
i  duine  air  an  robh  coltas  onorach  a  dh'  innseadh 
dhi  an  rathad  gu  Ibrox.  Chaidh  na  ficheadan 
agus  na  ceudan  seachad  oirre,  gun  i  dh'  fhaicinn 
comharran  an  ionracais  air  gniiis  gin  dhiubh, 
ach  anns  an  iom-chomhairle  sin  fein  thainig 
duine  air  an  robh  coltas  fir-oibre  far  an  robh  i ; 
bhean  i  ri  aid,  is  dh'  fhaighnich  e  gu  siobhalta 
an  robh  dad  cearr  oirre,  no  am  faodadh  esan 
cuideachadh  leatha. 

"  Tha  mi,"  ars'  ise,  "  a'  dol  gu  tigh  mo 
bhrathar  ann  an  Ibrox,  Seumas  Caimbeul,  aig 
a  bheil  biith  bhrogan,  is  bhithinn  'n  ad  chomain 
na'n  innseadh  tu  an  rathad  dhomh,  no  ciod  an 
car  a  bheir  ann  mi." 

Rinn  an  duine  glag  mor  gaire,  "  Seumas 
Caimbeul,"  ars'  esan,  "  an  cuala  mi  riamh  a 
leithid  ;  nach  beag  an  saoghal  ged  is  lionmhor 
na  daoine  ;  is  e  Seumas  Caimbeul  caraid  cho 
gaolach  's  a  tha  agam-sa  air  an  t-saoghal." 
An  sin  thog  e  a  chas,  "  A  bheil  sibh  a'  faicinn 
na  broige  sin  ?  sin  agaibh  paidhir  bhrog  a 
cheannaich  mi  anns  a'  bhuth  aige  Di-sathuirn 
so  chaidh."  Cha  bu  mhiosa  barail  Cairistiona 
air  an  duine  an  uair  a  thairg  e  dol  leatha  gu 
tigh  Sheumais.  Thug  e  bhuaipe  am  baga 
agus  am  pasgan  anns  an  robh  na  coilich,  ag 
radh  rithe  "  nach  cuireadh  e  dheth  an  naire  gu 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


brath  na'n  leigeadh  e  le  piuthar  Sheuniais 
Chaimbeil  baga  no  pasgan  trom  a  ghiiilan  agus 
comas  a  ghairdeanan  aige-san." 

Nathair  lubach 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  bha  fior  dhroch 
bharail  aig  Cairistiona  air  muinntir  Ghlaschu, 
ach  bha  an  duine  ud  cho  coibhneil  agus  chb 
tugaideach  'n  a  sheanchas  's  gu'n  do  thoisich 
i  air  a  beachd  atharrachadh.  An  uair  a  bha 
iad  a'  dol  seachad  air  clobhsa  sonruichte  ann 
an  te  de  na  sraidean  air  an  rathad  gu  Ibrox, 
thubhairt  e  rithe,  "  Deanaibh  stad  beag  aig 
beul  a'  chlobhsa  so  gus  an  ruith  mi  agus  an 
innis  mi  do  m'  mhnaoi  gun  a  bhi  feitheamh 
rium  aig  uair  na  tea,  a  chionn  gu  bheil  mi  dol 
leibh  gu  tigh  Sheumais  Chaimbeil." 

Sheas  Cairistiona  mar  a  dh'  iarr  an  duine 
oirre  ;  chaidh  coig  mionaidean  seachad,  deich 
inionaidean,  ceathramh  na  h-uarach,  leth- 
uair,  ach  cha  do  thill  e.  Bha  i  'n  a  seasamh 
cho  fada  aig  dorus  a'  chlobhsa,  is  coltas  cho 
iomgaineach  oirre,  's  gu'n  do  thoisich  an 
fheadhainn  a  bha  dol  a  mach  's  a  steach  ann 
air  aire  a  ghabhail  dhi  agus  air  spleuchdadh 
oirre.  Thainig  e  'n  a  h-inntinn  dol  a  steach 
do'n  chlobhsa  agus  Ho,  ro,  gheallaidh,  a  thoirt 
air  muinntir  Ghlaschu  leis  an  umbrella  a  bha  'n 
a  laimh,  ach  chuimhnich  i  air  naidheachdan  a 
chual  i  mu  dhaoine  a  chunnacas  a'  dol  a  steach 
do  chlobhsaichean  dorcha  an  Glaschu  nach 
tainig  riamh  a  mach  asda,  agus  nach  do  thog 
ceann  gu  brath  tuilleadh.  Bha  amharus  aig 
Cairistiona  gu  robh  pies  agus  sabhsairean  air 
a  dheanamh  dhiubh.  Mar  sin  dh'  fhan  i  far 
an  robh  i  gus  am  faca  i  boirionnach  a'  tighinn 
a  mach  as  a'  chlobhsa  air  an  robh  boineid 
agus  aodach  Feachd  na  Slahite.  "  So  aon 
bhana-Chriosduidh  co  dhiu,"  thubhairt  i  rithe 
fein,  "  bruidhnidh  mi  rithe." 

"  Am  faca  thu,"  ars'  ise,  "  anns  a'  chlobhsa 
sin  duine  agus  baga  aige  anns  an  dara  laimh 
agus  bondal  mor  anns  an  laimh  eile  ?  " 

"  Chan  fhaca,"   ars'   am  boix'ionnach,   "  ach 


faodaidh  e  bhi  ann  air  a  shon  sin  ;  cha  do  rinn 
mise  ach  tighinn  a  steach  air  a'  cheann  eile 
de'n  chlobhsa  o  chionn  mionaid." 

'Nuair  a  chuala  Cairistiona  gu  robh  ceann 
eile  air  a'  chlobhsa  thuig  i  gu  maith  gu'm 
faodadh  i  leigeil  leis  a'  bhaga  agus  leis  na 
coilich  dol  an  taobh  an  deachaidh  iad.  Chomh- 
airlich  am  boirionnach  dhi  dol  do'n  Pkolice 
Office   agus   coltas   an   duine   a  thoirt   dhaibh. 

Cha  teid  gu  dearbh,"  arsa  Cairistiona,  "  cha 
robh  duine  a  bhuineadh  dhomhsa  ann  am 
Police  Office  riamh,  agus  cha  mhise  a'  cheud 
aon  de  mo  dhaoine  a  theid  ann  ;  cha  bu 
gheamh  leam  e  air  na  coilich  no  air  na  bha 
anns  a'  bhaga  gu'n  cluinneadh  muinntir  Chille- 
sgumain  ciod  a  dh'  eirich  dhomh,  no  gu'm 
faiceadh  iad  ann  an  Thn  an  Obain  gu  robh 
Cairistiona  Chaimbeul  anns  a'  Pkolice  Office." 

Ghabh  i  a  leithid  a  dh'  ardan  's  gu'n  do  thill 
i  dhachaidh  leis  a'  cheud  charbad-iaruinn  a 
bheireadh  air  a  h-ais  i,  gun  Seumas  no  each 
fhaicinn.  Dh'  iarr  i  air  a'  bhoirionnach  mhaith 
dol  leatha  gu  Sraid  Bhocanan  agus  a  cur  ann 
an  trean  a  bheireadh  do'n  Oban  i. 


An  ath  Shabaid  b'  e  an  ceann-teagaisg  a 
ghabh  an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain, 
B.D.,  "  Thugadh  esan  a  shaoileas  gu  bheil  e  'n 
a  sheasamh  an  aire  nach  tuit  e."  Cha  chual  e 
uiread  agus  gu  robh  Cairistiona  air  falbh  aon 
la  o'n  tigh,  agus  mar  sin  is  ann  gun  fhios  da 
a  shaltair  e  air  a  corns  le  brogan  tacaideach. 
Ach  cha  bu  mhisd  a  cuideachd,  agus  daoine 
eile  ris  an  robh  gnothuch  aice,  gu'n  d'  eirich 
an  driod-fhortan  ud  dhi,  oir  cha  robh  i  gu 
brath  tuilleadh  cho  trom  no  cho  taireil  air 
"  daoine  gun  sgoinn  do  nach  aithne  an  gnoth- 
uch mur  bi  mise  air  an  sail."  Ach  chruadh- 
aich  a  cridhe  na  bu  chruaidhe  na  bha  e 
riamh  an  aghaidh  muinntir  nam  bailt^an- 
mora,  agus  gu  sonruichte  an  aghaidh  muinntir 
Ghlaschu,  "  ceaird  agus  meirlich,  a'  chuid 
mhor  dhiubh,"  mar  theireadh  i. 


Aig  an  Uinneig 


Comh-chruinneachadh  Spioradail 

BU  mhaith  leam  a  chur  an  cuimhne  luchd- 
leughaidh  nan  duilleagan  so  gu'm  bi  na 
coinneamhan  spioradail  a  tha  air  an  cumail  o 
bhliadhna  gu  bliadhna  ann  an  Srath-Pheo- 
fhair  air  an  cumail  am  bliadhna  eadar  a' 
choigeamh  la  fichead  de  September  agus  a', 
cheud  la  de  October.  Is  e  a'  chrioch  araidh 
a  thatar  a  cumail  anns  an  t-sealladh  aig  na 
coinneamhan  so,  a  bhi  faotainn  an  tuilleadh 
eolais    air    Criosd    agus    air    an   lanachd   grais 


a  tha  ann  do  dhaoine  a  tha  ag  iarraidh  soluis 
agus  neirt. 

Coinneamhan  na  h-6igridh 

Di-haoine  (25mh  September)  aig  ochd  uairean 

's  an  f  heasgar. 
Di-Sathuirn    (26mh    September)    aig    deich 

uairean,    aig   ceathramh   an   deidh   aon 

uair  deug,  agus  aig  seachd  uairean. 
La    na    Sabaid    (27mh    September)    aig    tri 

uairean,    agus   aig    leth    uair   an  deidh 

seachd. 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Bithidh  na  daoine  so  a'  labhairt  ris  an 
oigridh — 

An  t-Ard  Urramach  Easbuig  Taylor  Smith, 
K.C.B.,  D.D. 

An  t-Urramach  F.  C.  Gibson,  M.A. 

Caiptean  R.  Wallis. 

Maighstir  Seumas  E.  Duncan,  M.A. 

Na  Coinneamhan  Mora 

Di-luain  (28nih  September)  coinneamh-tir- 
nuigh  aig  tri  uairean,  agus  coinneamh 
fheasgair  aig  ochd. 

Di-mairt  (29mh  September),  Di-ciadaoin 
(SOmh  September),  Di-ardaoin,  (1  Oc- 
tober), coinneamh  -  iirnuigh  ah-  uile 
maduinn  aig  leth-uair  an  deidh  seachd, 
agus  coinneamhan  eile  aig  aon  uair 
deug,  aig  txi  uairean,  agus  aig  seachd. 

Bithidh  R.  B.  Stewart  anns  a'  chathair,  agus 
bithidh  na  daoine  a'  bhios  a'  labhairt  I'is  an 
oigridh  a'  labhairt  aig  na  coinneamhan  so  cuide- 
achd,  a  thuilleadh  air  an  Urramach  Alastair 
Stittbhard,  D.D.,  an  Dtm-eideann.  Tha  e  air 
iarraidh  air  sluagh  an  Tighearn  a  bhi  ag 
iirnuigh  gu'm  bitheadh  lathaireachd  agus 
cumhachd  an  Spioraid  Naoimh  am  measg  na 
cuideachd  a  theid  do  Srath-Pheofhair. 

Tha  mi  a  liihadh  mo  ghlun  do'n  Athair,  gu'ti 
debnaicheadh  e  dhuihh,  a  reir  saoibhreis  a  ghlbire, 
a  bhi  air  'ur  neartachadh  le  cumhachd  ire  a 
Spiorad  anns  an  duine  an  leth  a  stigh,  ionnus 
gun  gabh  Criosd  cb7nhnuidh  'n  'ur  cridheachan 
tre  chreideamh  ;  a  chum,  air  dhuibh  a  bhi  air 
'ur  freumhachadh  agus  air  'ur  steidheachadh  ann 
an  gradh,  gum  bi  sibk  lan-chomasach  maille  ris 
na  naoimh  uile  air  a  thuigsinn  ciod  e  leud,  agus 
fad,  agus  airde,  agus  dbimhne,  agus  air  eblas 
a  ghabhail  air  gradh  Chriosd  a  chaidh  thar  gach 
uile  eblais,  a  chum  gu'm  bi  sibk  air  'ur  lionadh 
gu  uile  lanachd  Dhe." — Ephes.  iii.  14-21. 

Am  beadall 

Thainig  ministear  bg  a  shearmonachadh  an 
eaglais  Chille-Sgumain,  a  bha  anabarrach  mor 
as  fein  a  chionn  nach  robh  feum  aige  air 
paipear,  no  air  cuideachadh  eile  de'n  t-seorsa 
sin.  An  uair  a  thug  am  beadall  na  leabhraich- 
ean  air  ais  do  thigh  -an  - 1  -  Seisein,  an  deidh 
do'n  choinihthional  sgaoileadh,  bha  e  air  son 
gu'm  faiceadh  am  beadall  (seana  Chalum 
Domhnullach)  nach  robh  paipear  aige.  "  Cha 
ruigeadh  sibh  a  leas,"  ars'  esan,  "  na  leabhraich- 
ean  a  thoirt  as  a'  chtibaid  ;  nach  robh  fhios 
agaibh  nach  robh  paipear  agam  ?  " 

"  O,  bha,"  ars'  am  beadall,  "  bha  fhios 
agam  nach  cuireadh  duine  air  bith  a  leithid 
sud  air  paipear. 


M'  an  robh  an  t-6rgan  air  a  chur  anns  an 
eaglais  b'e  am  beadall  a  bha  air  cheann  na 
seinn  ;  a  thaobh  's  nach  robh  e  maith  air 
seinn  agus  nach  robh  aige  ach  ceithir  fuinn 
uile  gu  leir,  Ballerma,  agus  Kilmax-nock,  agus 
French,  agus  Coleshill,  bhiodh  an  coimhthional 
a'  gearan  gu  cruaidh  ris  a'  mhinistear  agus  ag 
iarraidh  air  cuid-eigin  eile  a  chur  'n  a  aite. 
La  araidh  thubhairt  Niall  Mac  Phai'lain,  B.D., 
ri  Calum,  "  Air  mo  rathad  do'n  eaglais  an 
diugh  bha  mi  ag  radh  rium  fhein  gu'm  b' 
fheairrd  sinn  fuinn  iira  a  chluinntinn  ach  cha 
bu  mhaith  leam  gu'm  biodh  e  'n  a  dhragh 
dhuibhse  toiseachadh  air  fuinn  lira  ionnsachadh 
aig  'ur  n-aois.  Tha  mi  an  diiil  gu'n  sear- 
monaichinn  fhein  na  b'  fhearr  nan  robh  an 
t-seinn  na  b'  fhearr." 

"  O,  dhuine  ghaolaich,"  ars'  am  beadall, 
"  sin  a'  cheart  rud  a  bha  'n  am  inntinn  fein  ; 
bha  mi  ag  radh  rium  fein  anns  a'  m^haduinn 
gu'n  seinninn  fein  agus  an  coimhthional  mar 
na  h-uiseagan  na'n  cuireadh  sibhse  smuais 
agus  beatha  anns  an  Fhacal."  Bha  Calum 
Domhnullach  air  fhagail  'n  a  dhreuchd  gus 
an  do  leig  e  dheth  i  le  thoil  fein. 

Fada  no  Goirid 

Uair  a  bha  nministear  araidh  agus  aon  de 
na  foirbhich  a'  coiseachd  dhachaidh  comhla 
as  an  eaglais,  an  deidh  do'n  mhinistear  searmon 
fada  fada  a  thoirt  do'n  choimhthional,  thubh- 
airt am  foirbheach  ris  a'  mhinistear  gu'n  do 
ghleidh  e  an  sluagh  a  stigh  ro  fhada. 

Ro  fhada,"  ars'  am  ministear,  "  nach  'eil 
Facal  an  Tighearn  ag  iarraidh  orm  uile  chomh- 
airle  Dhe  fhoillseachaidh  dhaibh  ?  " 

"  Tha,"  ars'  am  foirbheach,  "  ach  cha  ruig 
sibh  a  leas  a  dheanamh  a  dh'  aon  la.  Tha 
dha  dheug  is  da  fhichead  Sabaid  anns  a' 
bhliadhna." 

Tha  na  searmoin  a  chluinnear  an  diugh 
moran  na's  giorra  na  na  searmoin  ris  an  d' 
eisd  ar  n-aithrichean  ach  tha  e  duilich  a  radh 
CO  dhuibh  is  fhearr,  searmoin  fhada  no  searmoin 
ghoirid.  Tha  iomadh  searmon  sgitheil  ri 
eisdeachd  ged  nach  b'  fhaide  e  na  deich 
mionaidean  ;  tha  searmoin  eile  ann  de  nach 
fasadh  tu  sgith  ged  leanadh  an  searmonaiche 
air  uair  an  uaireadair.  Chan  ann  a  reir  am 
fad  a  bhios  daoine  a'  meas  no  a'  tomhas  shear- 
mon  ach  a  reir  mar  a  dhriiidheas  na  tha  an 
searmonaiche  ag  radh  air  an  inntinn  agus  air 
an  anam.  Faodaidh  searmon  goirid  a  bhi  cho 
marbh  ris  na  cnamhan  a  tha  anns  an  uaigh 
is  faodaidh  searmon  fada  a  bhi  cho  beo  ri 
Facal  Dhe. 


Aireamh  lo 


93 


Duine  Glic 

(Barnabas) 


Mac  na  C.omhfhurtacJid 

Duine  niaith 

Lan  de  chreideamh 

Lan  de  ^n  Spiorad  NaomJi. 

CO  ris  a  their  thu  duine  glic  ?  Tha  sin  duilich 
a  radh  ann  am  beagan  fhacal,  no  air  a  shon 
sin  dheth,  ann  am  moran  fhacal.  Ach  co  dhiu 
dh'  abrainn  duine  glic  ri  duine  air  bith  a  chuireas 
na  talantan  a  thug  Dia  dha  gu  deagh  bhuil, 
agus  as  am  faodar  earbsa  a  chur  gu'n  toir  e 
breith  chothromach  air  daoine  agus  air  gnoth- 
uichean. 

Bha  Bai-nabas  'n  a  dhuine  glic  anns  an  t-seagh 
sin.  Ged  nach  bu  duine  e  aig  an  robh  coig 
talantan  mar  bha  aig  Pol,  agus  aig  Eoin,  agus 
aig  Peadar,  chuir  e  an  da  thalann  a  bha  aige  gu 
a  leithid  de  bhuil  's  gu'n  do  rinn  e  obair  fhiachail 
ann  an  eaglais  Chriosd  anns  a'  cheud  linn. 

Tha  mi  an  diiil  nach  'eil  ar  gineal-ne  a'  tuig- 
sinn  gu  ceart  an  t-aite  -  seasaimh  a  bha  aig 
Barnabas  am  measg  a  bhraithrean  anns  a' 
cheud  linn.  Tha  sinn  a'  saoilsinn  nach  robh 
ann  ach  fear-cuideachaidh  do  dhaoine  eile  a 
b'  fhearr  na  e  fein,  agus  nach  do  ghiiilain  e  ach 
beagan  de  churam  agus  de  uallach  na  h-eaglais 
an  coimeas  ri  cuid  eile  de  na  h-aithrichean. 
Ach  is  e  an  f hirinn  nach  robh  gin  idir  de  na 
Criosduidhean  a  bha  beo  anns  an  am  ud  a  b' 
fhearr  ceann  no  cridhe  na  Barnabas.  Bha  e 
maith  an  comhairle  agus  an  gniomh,  agus 
gheibhear  comharradh  no  dha  anns  an  Tiomnadh 
Nuadh  gu  robh  each  a  leigeil  an  taic  I'is. 

Duine  maith 
Tha  fhios  aig  an  t-saoghal  gu'm  bu  duine 
maith  e,  agus  gu'n  d'  thug  e  a  mhaoin  uile  do 
bhochdan  na  h-eaglais,  ach  bha  e  cho  glic  's  a 
bha  e  maith  is  fialaidh,  agus  is  e  an  smuain 
shonruichte  air  am  bu  mhaith  leam  beagan 
leudachaidh  a  dheanamh  an  di'asd,  gu'n  do 
rinn  Bai'nabas  le  ghliocas  agus  le  chomhairle 
seirbhis  a  b'  fheai'r  do'n  eaglais  na  rinn  e  leis 
an  tabhartas  mhor  a  thug  e  dhi.  Tha  cunntas 
againn  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  air  ctiis  no 
dha  anns  an  robh  comhairle  Bharnabais  ana- 
barrach  fiachail,  ach  chan  'eil  cunntas  air  aon 
chilis  anns  an  robh  e  cearr  'n  a  bharail.  Air 
uairean  bha  a  bheachd  agus  a  chomhairle  calg- 
dhireach  an  aghaidh  beachd  agus  comhairle 
bhraithrean  eile  a  tha  na's  ainmeile  na  esan 
an  diugh,  ach  dhearbh  ciiisean,  an  deidh  laimhe, 
gu  robh  e  ceart,  agus  gu  robh  e  cho  tuigseach 
ann  an  gnothuichean  's  a  bha  e  coir  agus 
diadhaidh. 


—An  Tiomnadh  Nuadh. 

Tha  cuimhne  agaibh  nach  robh  na  braithrean 
anns  an  eaglais  air  son  gnothuch  a  ghabhail  ri 
Pol  an  deidh  dha  bhi  air  iompachadh.  Bha 
eagal  aca  roimhe,  oir  rinn  e  geur-leanmhuinn 
orra,  is  cha  robh  iarraidh  air  bith  aca  air  mar 
chompanach  ann  an  obair  an  t-soisgeil.  Ach 
ghabh  Barnabas  a  thaobh.  "  An  uair  a  thainig 
Saul  gu  lerusalem,  dh'  fheuch  e  ri  e  fein  a 
cheangal  ris  na  deisciobuil,  ach  bha  eagal  orra 
uile  roimhe,  agus  cha  do  chreid  iad  gu'm  bu 
deisciobul  e  ;  ach  ghabh  Barnabas  d'a  ionnsuidh 
e  "  {G7iiomharan  ix.  26). 

Chunnaic  Barnabas  anns  a'  mhionaid  nach 
bu  chealgair  Pol,  is  rinn  e  a  bheatha  anns  an 
eaglais,  ged  nach  robh  na  braithrean  eile  ach 
gu  maith  gruamach  ris.  Tha  daoine  ann,  agus 
ged  nach  do  bhuilich  Dia  buadhan  mora  no 
laidir  orra  fein,  tha  iad  deas  agus  geur  air 
buadhan  laidir  aithneachadh  ann  an  daoine  eile, 
agus  toileach  air  cothrom  a  thoirt  dhaibh  am 
buadhan  a  chur  gu  feum.  Sin  an  t-seirbhis  a 
rinn  Barnabas  do  Phol  agus  do'n  eaglais  ;  chuir 
e  Pol  air  cheann  an  rathaid.  Nach  bu  mhaith 
an  obair-la  e  do  dhuine  air  bith,  seadh  an  obair- 
bheatha,  leithid  Phoil  a  thoirt  am  follais  ! 
Urram,  ma  ta,  d'  an  dlighear  urram.  Tha  e 
coltach  gu  robh  earbsa  aig  a  chompanaich  ann 
an  gliocas  Bharnabais,  oir  ghabh  iad  a  chomh- 
airle. 

Oibreachadh  an  Spioraid 

Uair  eile  ghabh  iad  a  choinhairle  a  thaobh  an 
dtisgaidh  a  bha  am  measg  nan  Cinneach  an 
Antioch.  Thainig  sgeul  gu  cluasan  nan  Criosd- 
uidhean ludhach  ann  an  lerusalem  gu  robh 
diisgadh  mor  ann  an  Antioch,  agus  gu  robh 
moran  de  na  cinnich  a'  tionndadh  ris  an  Tigh- 
earna.  Bha  amharus  aig  cuid  de  na  braithrean 
nach  e  an  Spiorad  Naomh  a  bha  ag  oibreachadh 
idir,  oir  bha  cumhannachd  ludhach  'n  an 
cridheachan  fhathast,  ach  chuir  iad  Barnabas 
gu  Antioch,  a  rannsachadh  a'  ghnothuich. 
Thagh  iad  Barnabas  air  son  a'  ghnothuich  a 
chionn  gu  robh  earbsa  aca  'n  a  ghliocas,  agus 
gu'n  tugadh  e  dhaibh  breith  chothromach. 
Theagamh  nach  robh  doighean  no  searmon- 
achadh  nan  daoine  a  bha  air  cheann  na  h-oibre 
ud  ann  an  Antioch  uile  gu  leir  a  reir  inntinn 
Bharnabais,  ach  cha  doleig  e  leis  a  sin  ashiiilean, 
no  choguis,  no  reuson,  a  dhalladh;     chunnaic 


2 


DUINE  GLIC— ANNS  A'  CHATHAIR 


e  gu  robh  an  Spiorad  Naomh  ag  oibreachadh 
anns  na  coinneamhan  ud,  is  rinn  e  gairdeachas. 
Chan  e  a  mhain  gu'n  d'  aidich  e  gur  ann  o  Dhia 
a  bha  an  obair  a  bha  dol  air  aghaidh  an  Antioch, 
ach  rinn  e  cabhag  gu  Tarsus  a  dh'  iarraidh 
Shauil,  agus  air  dha  fhaotainn  thug  e  leis  e  gu 
Antioch.  "  Agus  tharladh,  gu'n  robh  iad  re 
bliadhna  iomlain  air  an  cruinneachadh  maille 
ris  an  eaglais,  agus  gu'n  do  theagaisg  iad 
sluagh  mor."  An  uair  a  leughas  tu  na  nithean 
sin  mu  Bharnabas,  ciod  eile  a  their  thu  ach 
gu'm  bu  duine  maith  e,  agus  duine  glic,  duine 
a  bha  a'  sealltainn  as  deidh  ciiisean  na  h-eaglais 
cho  d]leas  agus  cho  seolta  ri  commandair  airm  ? 

Inntinn  dha  fein 

Bha  inntinn  dha  fein  aig  Barnabas.  Cha 
b'  urrainn  eadhon  Pol,  ged  bu  laidir  a  thoil  agus 
ged  bu  smachdail  e,  Barnabas  a  shuaineadh  m'a 
chorragan,  is  sheas  e  'n  a  aghaidh  gu  cruaidh 
an  uair  a  bha  Pol  an  aghaidh  maitheanas  a 
thoirt  do  Eoin  Marcus.  Bha  Pol  cinnteach  'n 
a  inntinn  fein  nach  robh  ann  an  Eoin  ach  an 
gealtair,  agus  nach  bu  duine  e  a  sheasadh 
cruadal  air  sgath  Chriosd.  Bha  barail  a  b' 
fhearr  aig  Barnabas  air,  agus  a  reir  choslais, 
bha  e  ceart,  oir  rinn  Eoin  Marcus  deagh  obair 
anns  an  eaglais  an  deidh  laimhe.  Gus  naidh- 
eachd  ghoiridadheanamh,  chan  'eil  aon  iomradh 
air  Barnabas  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  nach 
'eil  a  chum  a  chliii  ;  cha  robh  e  riamh  cearr  'n 
a  bharail  air  na  daoine  ris  an  robh  gnothuch 
aige  is  cha  mho  a  chuidich  e  le  aobhar  air  bith 
nach  b'  fhiach  a  chuideachadh.  Agus  cha  dona 
an  comharradh  sin  air  gliocas  duine,  gu'n  teid 
aige  air  breith  chothromach  a  thoirt  air  a 
chomh-chreutairean,  agus  gur  h-aithne  dha 
ciod  na  nithean  is  coir  dha  a  chuideachadh,  no 
a  sheachnadh. 

*         *         *         *         * 

Anns  an  tabhartas  mhor  a  thug  Barnabas  do'n 
eaglais  nochd  e  a  ghliocas  cho  maith  ri  fhial- 
aidheachd.  Cha  b'  ann  air  ghaol  a  bhi  bochd 
e  fein,  no  air  ghaol  a  bhi  'n  a  Charnegie  am 
measg  nam  braithrean,  a  thug  e  seachad  a 
mhaoin  uile,  ach  a  chionn  gu'm  bu  leir  dha  na 
b'  fhaide  air  thoiseach  air  na  bu  leir  do  chach, 
agus  gu'm  faca  e  nach  robh  doigh  air  ordugh 
agus  riaghailt  a  chumail  anns  an  eaglais  mur 
gabhadh  a  leithidean-san  air  an  do  bhuilich 
Dia  an  comas  ciiram  do  na  creidmhich  bhochda. 


A  thuilleadh  air  sin  bha  suidheachadh  am 
measg  nan  Criosduidhean  ann  an  Jerusalem  air 
nach  do  smuainich  na  h-abstoil  ann  an  am.  Air 
la  na  Caingis  bha  Jerusalem  Ian  de  choigrich 
as  gach  cearn,  is  tha  e  coltach  gu  robh  na  miltean 
dhiubh  air  an  iompachadh.  Bha  e  feumail 
gu'm  fanadh  na  h-iompachain  sin  anns  a'  bhaile 
beagan  sheachduinean  co  dhiu,  chum  a  bhi  air 
an  teagasg  ann  an  eolas  a'  Chreidimh  leis  na 
h-abstoil.  Na'n  do  leigeadh  leo  dol  dhachaidh, 
agus  dol  a  mach  air  feadh  an  t-saoghail  mar 
fhianuisean  Chriosd,  gun  a  bhi  air  an  teagasg 
an  toiseach  ann  am  firinnean  an  t-soisgeil,  dh' 
fhaodadh  iad  tre  eud  gun  eolas  cron  mor  a 
dheanamh  do'n  aobhar  a  bha  iad  a'  cuideachadh. 
Tha  mi  an  diiil  gu  robh  so  fa  chomhair  inntinn 
nan  abstol  agus  cinn  na  h-eaglais  'n  uair  a 
cheadaich  iad  do'n  t-sluagh  fantuinn  ann  an 
Jerusalem. 

Ach  ciamar  a  ghabhadh  an  sluagh  mor  ud 
cur  romhpa  ?  Dh'  fhuasgail  Barnabas  a'  cheist 
sin  ;  chunnaic  e  an  cunnart  anns  an  robh  an 
eaglais,  agus  le  comhairle  shuidhichte  thug  e 
dhi  a  mhaoin  uile.  Bha  e  air  son  eisempleir 
a  thoirt  do  dheisciobuil  bheartach  eile,  oir 
chunnaic  e  gu  robh  na  laithean  ud  a'  gairm  air 
a  sheorsa-san  eaglais  Chriosd  a  chuideachadh 
ann  an  doigh  nach  b'  urrainn  na  h-abstoil  a 
dheanamh.  Mar  so,  le  ghliocas  agus  le 
choiread  chiim  Barnabas  agus  an  fheadhainn 
eile  a  bha  de  'n  aon  inntinn  ris  long  an  t-soisgeil 
o  thuiteam  air  na  creagan  m'an  gann  a  dh'  fhag 
i  am  port  air  a  turns. 

Duine  mor  mor 

Tha  cliii  Bharnabais  a'  fas  agus  a'  fas  anns 
na  laithean  deireannach  so  ;  tha  moran 
sgoilearan  de'n  bheachd  nach  robh  pearsa- 
eaglais  anns  a'  chead  linn  aig  an  robh  inntinn 
a  bu  gheire,  no  sealladh  a  b'  fhaide,  no  gliocas 
a  b'  fharsuinge,  na  bha  aig  Barnabas.  Bha 
buadhan  inntinn  agus  cridhe  aige  nach  'eil 
bitheanta  air  am  faotainn  comhla  ;  gliocas 
saoghalta,  eud  diadhaidh,  agus  lamh  fhialaidh. 
A  thuilleadh  air  sin  bha  e  Ian  de  chreideamh 
agus  de'n  Spiorad  Naomh,  is  nochd  e  toradh 
a  chreidimh  ann  an  gniomharan  coir  agus  uasal. 
Cha  l-obh  cealg,  no  farmad,  no  cumhannachd 
ann  ;  cha  b'  e  a  ghloir  fein  a  bha  aige  anns  an 
t-sealladh  ach  maith  na  h-eaglais.  Uile  laithean 
a  bheatha  choimhlion  Dia  dha  a  ghealladh, 
gu'n  treoraich  e  na  daoine  ciui?i  ann  am  breitheanas. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  ghoirid  bha  duine  a  tha  'n  a 
sgoilear  agus  'na  dhiadhair  ainmeil,  an 
t-OUamh  W.  R.  Inge,  a'  bruidhinn  mu  urnuigh 
ann  an  doigh  a  dh'  fhaodadh  misneach  nan 
naomh  a  lagachadh.     Cha  mhaith  an  obair  e 


do  phearsa-eaglais  air  bith  a  bhi  toirt  am 
misnich  bho  na  creidmhich,  no  a  bhi  toirt  orra 
fannachadh  ann  an  iirnuigh. 

Bha  e  ag  radh  nach  'eil  ann  ach  amaideas 
do  dhaoine  a  bhi  ag  iirnuigh  air  son  uisge  no 


ANNS  A^  CHATHAIR 


3 


air  son  tiormachd,  is  dh'  ainmich  e  seorsachan 
eile  urnuighean  nach  freagair  Dia.  Thubhairt 
e  nach  robh  e  cinnteach  co  dhiubh  a  bha 
eifeachd-leighis  anns  na  h-iirnuighean  a  bhitear 
a'  cur  suas  air  son  dhaoine  tinne,  agus  nach 
robh  buaidh  air  bith  aig  athchuingean  nan 
naomh  air  a'  phuinnsean  a  bha  ann  am  feoil 
duine  air  an  robh  galair,  no  air  an  teas  a  bha  'na 
fhuil.  Thubhairt  e  moran  eile  air  an  aon  chalpa 
sin,  agus  chriochnaich  e  leis  a'  chomhairle  so, 
"  gu'm  bu  choir  dearbhadh  no  experiments  a  bhi 
air  a  dheanamh  anns  a'  chuis  so,  a  dh'  fheuch- 
ainn  an  gabhadh  figearan  cinnteach  faotainn 
a  thaobh  nan  daoine  a  fhuair  no  nach  d'  fhuair 
feabhas  an  eisiomail  urnuighean  an  cairdean." 

Tha  na  facail  sin,  "  dearbhadh,"  agus  "  experi- 
ments" agus  "  figearan,"  ag  innseadh  gu  soilleir 
nach  e  inntinn  diadhair  a  tha  aig  an  OUamh 
W.  R.  Inge  idir  ach  inntinn  fir-ealadhain  no 
scientist,  agus  chan  'eil  ni  air  an  t-saoghal  as 
cinntiche  na  nach  toir  an  seorsa  inntinn  sin 
duine  fada  air  aghaidh  ann  an  eolas  air  Dia,  no 
ann  am  fiosrachadh  spioradail.  Ciod  a  tha  ann 
an  iirnuigh  ach  co-chomunn  diomhair  eadar 
an  t-anam  agus  Dia,  co-chomunn  nach  gabh 
a  thomhas  no  dhearbhadh  le  figearan,  mar  a 
thoimhsear  nithean  faicsinneach  leis  an  t-slat- 
thomhais  no  air  a'  mheidh  ? 

Ach  a  mach  bhuaith  sin  cha  robh  dad  iir  anns 
na  thubhairt  an  t-Ollamh  W.  R.  Inge ;  bha  e 
air  a  radh  o  chionn  mile  bliadhna,  is  tha  e  air 
a  radh  anns  a  h-uile  linn,  is  tha  e  air  a  radh  anns 
an  la  so  fein  le  miltean  de  dhaoine  eile,  ach  a 
dh'  aindebin  sin  uile  tha  na  naoimh  agus  na 
creidmhich  a'  leantuinn  orra,  a'  deanamh  iirnuigh 
a  gh7iath  agus  gim  fhannachadh.  Agus  chan  e 
mhain  gu  bheil  iad  a'  leantuinn  air  iirnuigh  a 
dheanamh  ach  tha  iad  a'  toirt  na  fianuis  so  do'n 
t-saoghal,  gu'n  d'  eisd  an  Tighearn,  agus  gu'n 
do  shaor  e  iad  as  an  teanntachdaibh. 

Sin,  ma  ta,  an  f  hreagairt  cheart  do  'n  duine  a 
bhios  a'  cur  theagmhaidhean  a  thaobh  urnuigh 
ann  an  inntinnean  dhaoine  eile,  nach  'eil  a 
hhriathran  a'  cur  eagal  air  bith  air  na  ?iaoimh, 
agus  gu  bheil  iad  a'  leanntuinn  air  urnuigh. 


Chan  'eil  mise  a'  dol  a  dheanamh  deas- 
boireachd  thioram  mu'n  chilis  air  an  duilleig 
so,  oir  chan  'eil  ann  an  deasboireachd  ach 
ruagadh  na  gaoithe  agus  diomhanas,  ach  bu 
mhaith  leam  naidheachd  bheag  innseadh  mu 
bhoirionnach  ann  an  inbhe  iosal,  nach  robh  aon 
chuid  glic  no  eagnaidh  an  suilean  dhaoine  ach 
a  bha  'n  a  boirionnach  diadhaidh  ;  naidheachd 
a  dh'  fhaodas  labhairt  ri  cridheachan  ar  luchd- 
leughaidh  na's  fhearr  na  dad  a  b'  urrainn  mise 
a  radh. 

Bha  am  boirionnach  ud,  Catriona  Chaimbeul, 
a'  fuireach  leatha  fein  ann  an  tigh  beag  aig 
taobh  an  rathaid  ;  gus  an  tobar  as  am  bitheadh 


i  a'  tarruing  uisge  a  ruighinn,  dh'fheumadh 
i  dol  thairis  air  an  rathad-mhor,  rathad-mor  ann 
an  AdhoU  a  tha  na's  cunnartaiche  do  sheann 
daoine  na  bha  an  Atlantic  riamh  do  bhataichean. 
La  a  bha  i  dol  thairis  air  an  rathad-mhor,  agus 
cuinneag  uisge  'n  a  laimh  thainig  carbad-iiilidh 
mu'n  cuairt  an  oisein  air  an  dearg  chuthach, 
buailidh  e  i  air  a  chruachan,  is  deanar  coileach- 
dubh  dhi. 

Cha  robh  cuimhne  no  mothachadh  aig 
Catriona  Chaimbeul  gus  an  do  dhhisg  i  anns  an 
ospidal  am  Baile-chloichridh,  ochd  laithean  'n 
a  dheidh  sud.  Eadar  gu  bheil  an  Dotair  Mor 
maith  leis  an  sgithinn  agus  anabarrach  coibhneil 
ri  seana  bhoirionnaich  (agus  ri  cloinn)  thug  e 
Catriona  Chaimbeul  o'n  bhas ;  an  ceann  iiine 
rachadh  aice  air  suidhe  suas  anns  an  leabaidh 
agus  seanchas  a  dheanamh  ri  neach  air  bith  a 
rachadh  'g  a  faicinn. 

Cridhe  ri  cridhe 

Bha  i  tri  miosan  anns  an  ospidal.  Fad  na 
h-iiine  sin  bha  moran  eile  anns  an  t-seomar 
comhla  rithe,  a'  tighinn  's  a'  falbh,  cuid  dhiubh 
seachduin  is  cuid  dhiubh  na  b'  fhaide,  ach  b' 
fheairrd  iad  uile  Catriona  Chaimbeul  a  bhi  'n 
'am  measg.  Ged  nach  robh  i  uair  air  bith  gun 
phian  bha  i  faidhidinneach  is  taingeil,  is  bhith- 
eadh  i  ag  innseadh  dhaibh  mu  mhaitheas  an 
Tighearna  dhi  uile  laithean  a  beatha,  agus  ag 
innseadh  dhaibh  a  liughad  uair  a  fhreagair  e  a 
h-iirnuighean. 

Ma  rinn  e  sin  dhuibh-se,"  arsa  boirionnach 
6g  a  bha  anns  an  ath  leabaidh  rithe,  "  cha  do 
rinn  e  dhomhsa  e,  rinn  mise  in'nuigh  iomadh 
uair,  ach  cha  do  chiim  sin  an  duine  agam  a  mach 
as  na  tighean-oil." 

Bha  Catriona  Chaimbeul  'na  tosd  mionaid  no 
dha,  agus  a  h-uile  te  eile  a  bha  anns  an  t-seomar, 
oir  bha  f  hios  aca  uile  air  an  dol  a  mach  a  bha  aig 
Somhairle  Mac  Coinnich,  is  bha  truas  aca  ri 
mhnaoi. 

"  A  Mhairearad,  "  arsa  Catriona  rithe,  "  an 
uair  a  rinn  thusa  iirnuigh  gu'n  cumadh  Dia 
Somhairle  a  mach  as  an  tigh-oil,  an  robh  thu 
a'  creidsinn  gu'n  deanadh  e  sin  ?  " 

"  O,"  ars'  ise,  "  ma  chuireas  sibh  mar  sin  e, 
cha  robh  ;  cha  robh  mi  a'  creidsinn  gu'n  eisdeadh 
Dia  rium,  is  cha  mho  a  tha  mi  'g  a  chreidsinn 
a  nis.  Ach  air  a  shon  sin  dh'  fhaodadh  Dia 
Somhairle  a  chumail  o'n  uisge-bheatha  na'n 
robh  suim  aige  dhomhsa  agus  do  mo  leanaban." 
O,  bhronag,"  arsa  an  te  eile,  na  h-abair 
thusa  nach  'eil  suim  aig  Dia  dhuit-sa  agus  do 
d'  chloinn,  oir  tha  an  Leabhar  Naomh  ag  inn- 
seadh dhuinn  gu  bheil  eadhon  fuilteinean  ar 
cinn  uile  air  an  aireamh  leis,  ach  tha  an  Leabhar 
Naomh  ag  innseadh  dhuinn  cuideachd  nach 
fhaigh  neach  air  bith  an  rud  a  dh'iarras  e  ann 
an  urnuigh  mur  bheil  e  a'  creidsinn  gu'm  faigh 
e  e." 


ANNS  A'  CHATHAIR 


"  A  bheil  sibh  fein  a'  creidsinn,"  arsa  Mair- 
earad  Nic  Coinnich  rithe,  "  gu'n  toir  Dia  dhuibh 
a  h-uile  ni  a  dh'  iarras  sibh  ?  " 

"  O,  chan  'eil,"  fhreagair  i,  "  cha  bu  mhaith 
dhomhsa  gu'n  tugadh  Dia  dhomh  gach  iarrtus 
diomhain  is  peacach  a  dh'  eireas  'n  am  chridhe 
eadhon  air  mo  ghliiinean  ;  cha  toir  Dia  sin 
dhomh  na's  mo  na  bheir  thusa  do  d'  chloinn 
gach  ni  a  dh'  iarras  iad  ort,  ach  air  a  shon  sin, 
tha  mi  a'  creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gu  bheil 
Dia  ag  eisdeachd  ri  m'  tirnuighean  agus  'g  am 
freagairt  'n  a  dhoigh  ghhc  fein." 

Ma  ta,"  arsa  caileag  dhubh  a  Bail-an-luig 
a  bha  ag  eisdeachd  ris  an  t-seanchas,  agus  i 
anns  an  ospidal  le  rud-eigin  a  bha  cearr  oirre 
eadar  droch  nadur  agus  droch  stamag,  "  chan 
'eil  mise  a'  creidsinn  facal  dheth  sin  ;  ma  tha 
Dia  ag  eisdeachd  ruibh,  agus  ma  tha  sibh  ag 
iirnuigh  a  h-uile  maduinn  gu'n  gabhadh  e 
ciiram  dhibh  car  son  nach  do  ghabh  e  ciiram 
dhibh  a'  mhaduinn  a  leag  an  carbad-iiihdh  sibh 
agus  a  bhris  e  'ur  cnamhan." 

Thainig  na  deoir  ann  an  suilean  Catriona 
Chaimbeul,  is  dh'  fhan  i  samhach  greis  bheag. 
"  Ghabh  an  Tighearna  ciiram  dhiom-sa,  's  e 
ghabh  ;  fad  an  earraich  bha  mi  ag  iirnuigh  ris 
air  son  aon  ni  sonruichte,  ach  ged  bha  mi  ag' 
iirnuigh  agus  a'  creidsinn  gu'n  eisdeadh  e  rium 
cha  b'  urrainn  domh  a  thuigsinn  cia  mar  a 
gheibheadh  e  rathad  air  m'  lii'nuigh  a  f hreagairt, 
ach  tha  mi  'g  a  thuigsinn  a  nis."  An  sin  dh' 
aithris  i  na  briathran  so  gu  beag  rithe  fein,  'g  an 
leth  sheinn. 

An  dbighean  diomhair  gluaisidh  Dia 
'Thoirt  iongantais  mu'n  cuairt. 

An  doighean  diomhair 
"  Bho  shiubhail  an  duine  agam  o  chionn 
fichead  bliadhna  bha  mi  an  da  chuid  bochd  agus 
aonaranach.  Chan  'eil  a'  bheag  de  mo  chuid- 
eachd  beo  ;  a'  chuid  dhiubh  a  tha  beo  tha  iad 
fada  bhuam.  Ged  nach  robh  mi  riamh  ro 
laidir  thug  Dia  tomhas  slainte  dhomh  leis  an 
deachaidh  agam  air  mi  f  hein  a  chumail  gus  an 
uiridh.  Ach  anns  a'  gheamhradh  an  uiridh  dh' 
fhas  mi  cho  anfhann  's  nach  b'  urrainn  mi  an 
nigheadaireachd  agus  na  cuir  bheaga  eile  a 
bhithinn  a'  deanamh  a  dheanamh  na  b'  fhaide. 
A  thaobh  's  nach  robh  mi  aois  a'  phension  cha 
robh  romham  ach  Tigh-nam-Bochd,  is  thainig 
Mghr  Forrest  uair  agus  uair  'g  am  fhaicinn  a 
dh'  fheuchainn  an  rachainn  sios  do  Lagan-rait. 
Ach  b'  f  hearr  learn  am  bas  na  dol  ann,  is  bhith- 
inn ag  iarraidh  air  Dia  e  a  dheanamh  rud  air 
bith  a  thoilicheadh  e  rium  ach  mo  chumail  a 
Tigh-nam-Bochd.  Sealladh  sibhse,  ma  ta,  mar 
a  fhreagair  Dia  m'  iirnuigh  ;  chuir  e  an  carbad- 
uilidh  ud  thugam  mar  a  theachdaire,  is  tha  mi 
a  nis  anns  an  aite  bheannaichte  so,  far  a  bheil 
am    matron    agus    na    caileagan-altruim    cho 


coibhneil  rium  's  ged  bu  phiuthar  mi  do  Mhac 
Caileih." 

***** 

longantach  n'  a  Ghliocas 

Tha  fhios  agam  gu  maith  gu'n  abair  daoine 
eagnaidh  agus  saoghalta  nach  robh  ann  ach 
leanabalachd  no  amaideas  do  Chatriona  Chaim- 
beul a  bhi  creidsinn  gu'n  do  bhris  Dia  a  cnamhan 
gus  a  h-iirnuigh  a  fhreagaii't,  ach  chan  ann  aig 
daoine  eagnaidh  no  saoghalta  a  tha  rim- 
diomhair  an  Tighearna  ach  aig  an  dream  d'an 
eagal  e,  an  dream  a  tha  creidsinn  ann.  B' 
fhearr  dhuit  do  chnamhan  a  bhi  air  am  briseadh 
seach  do  chridhe,  ach  nach  iomadh  duine  a  bhris 
Dia  a  chridhe  gus  a  ruintean  a  choimhlionadh 
ann  ! 

Anns  a  h-uile  ni  a  bhuineas  do'n  diadhaidh- 
eachd  agus  do'n  bheatha  spioradail  b'  fhearr 
leam  a  bhi  air  taobh  leithidean  Catriona 
Chaimbeul  seach  a  bhi  air  taobh  na  feadhnach 
a  chuireas  criochan  roimh  Dhia,  no  tomhas  air 
an  Uile-chumhachdach.  Chan  'eil  e  furasda 
do'n  inntinn  nadurra,  gu  sonruichte  ma  tha  i 
air  a'  geurachadh  le  eolas  agus  sgoilearachd, 
creidsinn  ann  an  Dia  nach  gabh  rannsachadh 
no  tuigsinn,  a  tha  os  cionn  ar  n-eolais.  Ach 
ciod  a  tha  ann  an  Dia  a  ghabhas  rannsachadh, 
no  criochan  a  chur  roimhe,  ach  iodhol  a  tha 
daoine  a'  deanamh  dhaibh  fein,  iodhal  a  dh' 
fhaodas  iad  dol  m'a  thimchioll,  agus  a  thomhas, 
agus  a  dhealbh  a  tharruing,  agus  a  radh, 
"  Thigibh  agus  faicibh  Dia,  agus  tuigibh  a 
laghanna,  na  laghanna  leis  a  bheil  e  a'  riaghladh 
an  t-saoghail  agus  a'  freagairt  iirnuighean 
dhaoine."  Chan  e  sin  Dia,  no  rud  coltach  ris  ; 
an  Dia  a  tha  do-rannsaichte  agus  neo-aithnichte, 
agiis  a  fhreagras  le  miorbhuilea?i  bitheadh  esan  'na 
Dhia.  Sin  agad  Dia  a'  Bhiobuill,  Dia  nam 
faidhean,  Dia  nan  naomh,  Dia  nan  creidmheach 
uile,  an  Dia  a  tha  beo  agus  fior, — an  Dia  a  tha 
deanamh  mhiorbhuilean  gun  sgur,  agus  a' 
freagairt  tirnuighean  a  shluaigh.  An  Dia  a 
chuir  sgolb  ann  am  feoil  Phoil,  car  son  nach 
ceadaicheadh  tu  dha  cnamhan  Catriona  Chaim- 
beul a  bhriseadh  chum  gu'm  bitheadh  oibre 
agus  a  riiintean  fein  air  am  foillseachadh  innte  ? 
***** 

Bho  na  dh'  innis  mi  an  uiread  so  dhuibh  mu 
Chatriona  Chaimbeul  faodaidh  mi  an  naidheachd 
a  chriochnachadh.  Cha  deachaidh  i  do  Thigh- 
nam-  Bochd  ;  chuir  an  Tighearn  an  cupan  sin 
seachad  oirre.  Ann  an  tri  miosan  shiubhail  i. 
An  t-seachduin  mu  dheireadh  a  bha  i  beo  bha 
am  matron  ri  taobh  a  leapa  gun  a  fagail,  a' 
frithealadh  dhi  cho  caomhail  's  ged  b'e  a 
mathair  a  bha  ann.  Is  luachmhor  ann  an 
sealladh  an  Tighearna  bas  a  naomh. 

An  uair  a  chunnaic  am  matron  gu  robh  a' 
chrioch  dliith  chaidh  i  air  a  gliiinean  ri  taobh 
na  leapa,  rug  i  air  lamh  Catriona  'n  a  laimh  fein, 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ag  radh  rithe  gu  ciiiin  gaolach,  "  dh'  eisd  an 
Tighearn  'ur  n-urnuigh  is  tha  e  nis  a'  dol  'g 
'ur  toirt  'ga  ionnsuidh  fein."  Dh'  fhosgail  an 
t-seana  bhean  a  suilean,  agus  gun  i  a'  tuigsinn 
gu  ceart  ciod  a  bha  am  matron  ag  radh,  ach  an 
sin  thuig  i  gu  robh  uair  a  saorsa  air  teachd  is 
thainig  aoibh  nam  flaitheanas  air  a  h-aodann,. 
is  lean  i  air  na  briathran  so  a  radh  gu  beag  rithe 
fein,  Ghlaodh  mi  ris  an  Tighearn,  agus  dh'  eisd 
e  rium,  agus  shaor  e  tni  as  mo  theanntachdaihh  gu 
leir. 

Shiubhail  i  an  oidhche  sin  ;  an  uair  a  bhatar 
'g  a  cur  anns  a'  chiste-mhairbh  b'  e  so  na  sailm 
a  leugh  am  ministear  os  a  cionn,  an  eisdeachd 
a'  chomhlain  bhia:  a  bha  ci'uinn. 


Nighean  an  Righ  gu  dearbh  a  stigh, 

tha  iiile  Ian  de  ghloir ; 
Tha  culaidh-eudaich  uimpe  fos 

air  oibreachadh  le  or. 

Ghlaodh  iad  ri  Dia  'n  an  teinn  ;   is  shaor 

e  iad  o'n  trioblaid  gheir  ; 
Ghrad  chuireadh  leis  an  stoirm  gu  feath 

'S  na  tuinn  'n  an  tamh  gu  leir  ; 

An  sin  tha  iad  ro-ait,  air  son 

gu  bheil  iad  samhach  beo, 
'S  gu'n  d'  thug  e  iad  do'n  chaladh  sin 

'S  do'n  phort  bu  mhiannach  leo. 

O  b'  fhearr  gu'm  moladh  daoine  Dia 

air  son  a  mhaitheis  chaoin, 
'S  air  son  a  bhearta  iongantach 

rinn  e  do  chloinn  nan  daoin'  ! 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


A  BHEIL  fhios  agad,  a  leughadair,  car  son  a 
tha  thu  a'  fas  sean  ?  Sin  ceist  a  tha  na's 
fhasa  a  chur  na  fhuasgladh.  Ma  their  thu  gu 
bheil  thu  a'  fas  sean  a  chionn  gu  bheil 

Tim  mar  shruthan  cas 

Toirt  leis  gu  bras  gach  neach. 

their  na  feallsanaich  riut  nach  'eil  Tim  a' 
deanamh  dad  den  t-seorsa  ;  nach  'eil  ann  ach 
beachd  leanabail  a  bhi  saoilsinn  gu  bheil  Tim 
a'  dol  seachad  ort  mar  a  theid  abhainn  seachad 
ort.  C  aite  an  deachaidh  an  de  an  uair  a 
thainig  an  diugh  ?  A  bheil  e  ann  an  aite  air 
bith  anns  a'  chruthachadh  ?  Agus  c'  aite 
a  bheil  «??«  maireach  gus  an  ruig  sinn  e,  no  gus 
an  ruig  esan  sinne  ?  An  e  am  maireach  a  tha 
tighinn  thugainne,  no  an  e  sinne  a  tha  dol 
thuige-san  ?  A  bheil  an  de  agus  am  maireach 
ann  ged  rachadh  tusa  a  bith  ? 

Ma  bu  mhaith  leat  t'  fhiaclan  a  bhriseadh  air 
na  cnothan  sin  chan  'eil  agad  ach  leabhar  a 
chuir  m'  f  hear-cinnidh.  Moderator  na  h-eaglais, 
a  mach  an  uiridh  a  leughadh,  leabhar  m'  am 
faodar  a  radh  mar  thubhairt  Peadar  mu 
sgriobhaidhean  Phoil,  gu  robh  nithean  annta 
a  bha  duilich  a  thuigsinn.  Ged  is  aithne  do'n 
Mhoderator  sgriobhadh  gu  cuimseach  agus  gu 
soilleir,  agus  ged  tha  a'  chuid  eile  de  'n  leabhar 
reidh  gu  leoir,  tha  na  nithean  a  tha  e  ag  radh 
mu  Thim  cho  dorcha  ri  dubh-fhacail  Ghoill. 
Ach  chan  ann  aige-san  a  tha  a'  choire  ach  aig 
Einstein,  a  rinn  amladh  air  Tim  agus  air  Space, 
mar  gu'm  faiceadh  tu  muc-mhara  a'  dol  am 
measg  lion-iasgaich.  Ma  tha  Tim  mar  tha 
Einstein  agus  am  Modei-ator  ag  radh  chan  'eil 
fhios  aca  c'  aite  a  bheil  iad  ;  no  ciod  an  uair 
a'  tha  e  !  Agus  ciod  a  theireadh  tu  ri  daoine 
aig  nach  'eil  fhios  c'  aite  a  bheil  iad,  no  ciod 
an  uair  a  tha  e,  no  co  dhiubh  a  tha  ann,  an 
de,  no  an  diugh,  no  am  maireach  ? 

Ach  chan  ann  air  an  Tim  mu'm  bi  na  feallsan- 
aich a'  deasbud  a  tha  mi  dol  a  bhruidhinn  an 


drasd,  ach  air  an  Tim  eile  as  aithne  dhuinn 
uile  gu  maith,  a  chuireas  moille  'n  ar  ceum 
agus  roinneaga  hatha  'n  ar  ceann.  Shaoileadh 
tu  gur  leor  a  radh  gu  bheil  sinn  a'  fas  sean  a 
chionn  gu  bheil  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad 
agus  gu  bheil  ar  n-eanchainn,  agus  ar  cridhe, 
agus  ar  n-airnean,  agus  ar  feithean,  a'  cosg 
agus  a'  fas  lag  le  obair  no  le  cluich. 

Na  dotairean 

Ach  their  na  dotairean  riut  nach  'eil  an  sin 
ach  cainnt  paisde;  their  iad  gu  bheil  sinn  a' 
fas  sean  a  chionn  gu  bheil  ar  corp  air  a  phuinn- 
seanachadh  uigh  ar  n-uigh.  Ach  nach  coma 
dhuinn  ciamar  a  tha  an  aois  a'  tighinn  ;  tha  i 
a'  tighinn  co  dhiu,  is  cha  chum  Einstein  no 
na  dotairean  air  a  h-ais  i.  Bho  chionn  bhliadh- 
nachan  bha  lighiche  Russianach  an  duil  gu'n 
d'  fhuair  e  doigh  air  daoine  a  chumail  6g  gu 
aois  mhor,  agus  an  drasd  's  a  ris  cluinnear 
iomradh  air  cungaidhean  agus  air  stuthannan 
a  tha  dol  a  thoirt  diilain  do  na  bliadhnachan. 
Ach  tha  na  bliadhnachan  a'  buannachd  daonn- 
nnan. 

Tha  e  ceart  do  dhaoine  ciiram  a  ghabhail 
do'n  chorp  (gun  ro-chiiram)  los  gu'm  mair  e 
air  ghleus  cho  fad  's  a  dh'  fhaodas.  Ma 
thilgeas  a'  ghaoth  sgleat  no  tugha  bharr 
mullach  an  tighe  cuirear  sin  ceart  gu  luath  ; 
nach  bu  choir  dhuinn,  ma  ta,  a  bhi  a  cheart  cho 
furachail  air  pailliun  ar  cuirp  !  Thubhairt 
lighiche  air  chor-eigin  nach  'eil  duine  anns  an 
fhichead  a'  basachadh  gu  nadurra  ;  tha  iad 
'g  am  marbhadh  fein.  Gun  a  bhi  bruidhinn 
idir  air  ruidhtearachd  is  61  tha  moran  dhaoine  a 
tha  an  diiil  gu  bheil  iad  stuama  'g  am  mar- 
bhadh fein  le  bhi  ag  itheadh  tuilleadh  's  a 
choir.  Tha  an  dax-a  leth  de  shluagh  an  t- 
saoghail  ag  itheadh  tuilleadh  's  a  choir,  is 
bhitheadh  e  chum  buannachd  dhaibh  trasgadh 
leth  latha  a  h-uile  seachduin. 

Thatar  ag-  radh  g-ur  e  beatha  nadurra  mhic 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


an  duine  ceud  bliadhna,  no  coig  agus  coig 
fichead.  Thatar  a'  faicinn  gu  bheil  na  creu- 
tairean  eile  as  coltaiche  ris  a'  mairsinn  beo 
a  choig  uiread  uine  's  a  tha  iad  a'  gabhail  a 
thighinn  gu  Ian  ire,  agus  a  tliaobh  's  gu  bheil 
mac  an  duine  fichead  no  bhadhna  ar  fhichead 
ma  bheil  e  aig  a  Ian  fhas  tha  sin  a'  toirt  dha 
corr  agus  ceud  bliadhna  mar  a  bheatha  nad- 
urra.  Tha  an  aois  sin  os  cionn  na  h-aoise 
a  thug  an  salmadair  do  mhac  an  duine,  tri 
fichead  's  a  deich,  ach  a  reir  choslais,  tha 
daoine  a'  ruighinn  aois  an  diugh  nach  robh 
iad  a'  ruighinn  ann  an  laithean  an  t-salmadair. 
Bho  chionn  seachduin  chunnaic  mi  anns  na 
paipearan  mu  thriiiir  bhoirionnach  a  tha  gle 
dhliith  dhomh  a  tha  os  cionn  ceud  ;  te  dhiubh 
ceithir  agus  coig  fichead. 

Chan  'eil  e  idir  iongantach  gu'm  faigheadh 
daoine  anns  na  laithean  so  sineadh  saoghail 
nach  d'  fhuair  an  aithrichean,  oir  tha  biadh, 
is  aodach,  is  tighean,  is  paigheadh,  is  comh- 
fhurtachd,  aca  nach  robh  aig  an  aithrichean, 
agus  uairean-oibre  as  giorra.  A  thuilleadh  air 
sin  chuir  na  dotairean  ruaig  air  a'  bhric  agus  air 
fiabhrusan  a  bha  a'  giorrachadh  laithean 
dhaoine.  Bho  chionn  tri  fichead  bliadhna  bha 
ceithir  duine  fichead  as  a  mhile  a'  basachadh 
ann  an  Lunnainn  anns  a'  bhliadhna  ach  an 
diugh  chan  'eil  a'  basachadh  ann  ach  ceithir 
deug  as  a'  mhile. 

***** 

An  Garadh-criche 

A  bheil  clach-mhile  air  bith  ann  am  beatha 
dhaoine,  no  bliadhna  shonruichte  m'  am  faodar 
a  radh,  gur  e  so  an  garadh-criche  eadar  an 
oige  agus  an  aois  ?  Thubhairt  R.  L.  Stevenson 
ffur  e  coiff  bliadhna  fichead  ceann-deiridh  na 
h-6ige,  ach  cha  ruigear  a  leas  a  chainnt-san  a 
ghabhail  gu  litireil,  oir  bhiodh  e  air  uairean  ag 
radh  iomadh  rud  nach  robh  e  uile  gu  leir  a' 
ciallachadh,  agus  bha  spiorad  na  h-oige  agus 
aotrumas  a'  bhalaich  'na  chridhe  fein  gus 
an  la  a  dh'  fhag  e  an  saoghal.  Thubhairt 
lighiche  ainmeil  gu'm  fas  daoine  glic  na  's 
glice  an  uair  a  theid  iad  seachad  air  deich 
bliadhna  fichead,  ach  gur  h-annamh  a  dh' 
fhasas  daoine  gorach  na  's  glice  an  uair  a 
theid  iad  seachad  air  an  aois  sin.  Tha  e  coltach 
gu  robh  an  lighiche  ud  an  diiil  gu  bheil  deich 
bliadhna  fichead  'n  a  gharadh-criche  ann  am 
beatha  dhaoine.  B'e  sin  an  aois  aig  an  robh 
na  Lebhithich  a'  toiseachadh  air  frithealadh 
do  Dhia,  ach  dh'  fheumadh  iad  sgur  an  uair 
a  ruigeadh  iad  leth-cheud  bhadhna.  B'e  sin 
an  aois  cuideachd  a  bha  Criosd  an  uair  a  thoisich 
e  air  rioghachd  Dhe  a  shearmonachadh.  Air 
co-ainm  a  latha-breith  sgriobh  an  lighiche 
ainmeil,  Sir  Uilleam  Broadbent,  gu  caraid 
dha,  "  Tha  nii  da  fhichead  an  diugh  ;  cha 
Sfhabh  e  a  cheiltinn  tuilleadh  sru'n  do  chaochail 


maduinn  m'  oige,  agus  gu  bheil  a  chuid  as 
fhearr  de  mo  bheatha  seachad.  An  uair  a 
ruigeas  duine  da  fhichead  cha  ruig  e  a  leas 
feuchainn  ri  toiseachadh  air  obair  iir."  Ud, 
Ud,  feumaidh  gu  robh  e  air  dhroch  ghleus  an 
uair  a  bha  e  a'  sgriobhadh  na  litreach.  Chan  e 
•  mhain  gu  bheil  iomadh  duine  a'  toiseachadh 
air  obair  iir  aig  da  fhichead,  ach  tha  iad  a' 
deanamh  obair  as  fhearr  na  rinn  iad  'n  an  oige. 
Cha  robh  Gladstone  ach  a  faobharachadh  na 
h-acfhuinne  aig  da  fhichead  ;  bha  e  'n  a  sheann 
duine  an  uair  a  chuir  e  lamh  ann  an  nithe 
mora.  Ach  theagamh  gu'n  abradh  an  lighiche 
ud  nach  do  rinn  Gladstone  riamh  obair  a  b' 
fhiach  obair  a  radh  rithe. 

Sgriobh  Tomas  Huxley  an  htir  so  gu  caraid 
dha,  "  Tha  mi  a  nis  da  fhichead  's  a  tri  deug, 
ach  ciod  a  tha  an  sin  ach  an  fhior  oige.  Cha 
robh  mo  bhodhig  riamh  na  b'  fhearr  na  tha  i, 
agus  o  chionn  bliadhna  chuir  mi  barrachd 
oibre  as  mo  dheidh  na  rinn  mi  riamh  roimhe. 
Chan  'eil  thusa  ach  da  fhichead  fhathast, 
ciod  a  tha  annad  ach  am  balach  ;  tha  a'  chuid 
as  fhearr  de  do  bheatha  air  thoiseach  ort." 

Tri  fichead 

Ged  nach  robh  uiread  de  'n  ghliocas  a  tha  o 
shuas  aig  an  Ollamh  Beniamin  Jowett  s  a  bha 
aig  an  Ollamh  Mac  Iain  bha  moran  de  ghliocas 
saoghalta  'n  a  cheann,  is  tha  na  comhairlean 
so  a  thug  e  air  daoine  a  rainig  tri  fichead  agus 
a  tha  faireachduinn  cudthrom  nam  bliadhna- 
chan  airidh  air  gabhail  riu 

(1)  Na  bi  an  diiil  gu'n  teid  agad  air  diilain 
a  thoirt  do  sheann  aois. 

(2)  Chan  'eil  feum  ann  dhuit  a  bhi  cur  mar 
fhiachaibh  ort  fein  gu  bheil  thu  bg  le 
bhi  deanamh  mar  tha  an  oigridh  a' 
deanamh.  Cha  tig  as  a  sin  ach  gu'n 
saraich  thu  do  chorp. 

(3)  Aig  tri  fichead  tha  e  glic  do  dhuine  an 
saoghal  a  ghabhail  gu  reidh,  agus  daoine 
eile  a  chur  air  cheann  oibre  an  aite  a  bhi 
'g  a  deanamh  e  fein. 

Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  an  t-am  d'a 
bheatha  anns  a  bheil  buadhan  inntinn  duine 
aig  airde  an  neirt.  Tha  miighadh  mor  eadar 
an  dara  duine  agus  an  duine  eile  a  thaobh 
abachadh  ain  buadhan  ;  tha  cuid  ag  abachadh 
trath  agus  cuid  eile  fada  na's  anmoiche.  B' 
abhaist  do'n  Ollamh  R.  W.  Dale  a  bhi  'g  radh 
gu  robh  searmonaiche  aig  airde  a  chumhachd 
eadar  da  fhichead  's  a  coig  deug  agus  tri  fichead 
's  a  coig.  Is  gasda  le  seana  mhinistearan 
a  bhi  cluinntinn  sin,  ach  ciod  a  theireadh  an 
fheadhainn  a  bhios  'g  an  eisdeachd  ?  Chan 
urrainnear  a'  Chleir  uile  a  chur  fo'n  aon  lagh. 
Bha  am  fear  nach  maireann  an  t-Ollamh 
Wallace  Williamson  aig  airde  a  chumhachd 
naar  shearmonaiche  a;u  maith  trath  'n  a  mhinis- 


SGEUL  MU  THIMCHIOLL  AN  ABSTOIL  EOIN 


trealachd,  eadar  coig  deug  ar  fhichead  agus  da 
fhichead  's  a  coig.  Ach  air  an  laimh  eile  bha 
a  choimhearsnach,  ai:i  t-Ollamh  Alasdair  Whyte, 
aig  airde  a  chumhachd  'n  a  sheann  aois.  Ged 
nach  cluinninn  ministeax'  a'  searmonachadh 
ach  uair  no  dha  tha  mi  an  diiil  gu'n  aithnichinn 
CO  dhiu  a  mhaireas  uisge  anns  an  tobar  gu 
seann  aois  no  nach  mair.  Cha  tig  rud  as  an 
tobar  nach  'eil  ann.  Ministearan  a  bhios  a' 
trod,  no  a'  glaodhach,  no  ag  ochanaich,  no  ag 
oibreachadh  an  lamhan  *mar  gu'm  biodh 
muileann-gaoithe,  tha  iad  sin  aig  airde  an 
cumhachd  ann  an  earrach  an  laithean,  is  tha  an 
t-am  aca  leigeil  dhiubh  an  uair  a  bhios  iad 
a'  streap  ri  tri  fichead.  Cha  mhaith  an  rud  e 
seirbhiseach  an  Tighearna  a  bhi  trod,  no  a' 
glaodhach,  no  eadhon  ag  ochanaich,  agus 
uiread  de  chluaintean  gorma  anns  a'  Bhiobull 
anns  am  faodadh  e  fein  agus  a'  choimhthional 
a  bhi  gluasad  gu  reidh  agus  gu  foisneachail. 

Tha  an  oidhche  a'  teachd 
Chan   'eil  ni  as  cinntiche  na  sin.     Ann  am 
feasffar    ar   laithean    tha    na   bliadhnachan    a' 


dol  seachad  na's  luaithe  na  chaidh  iad  seachad 
ann  am  maduinn  ait  na  h-oige.  Bha  ceithir 
uaire  fichead  anns  an  la  an  laithean  ar  n-6ige, 
ach  an  diugh  chan  'eil  ann  ach  dha  dheug. 
Tha  sin  ag  iarraidh  oirnn  uile  a  bhi  ciiramach 
m'  ar  n-iiine,  agus  dichioUach  ;  air  eagal  gu'n 
tig  an  oidhche,  agus  gun  ar  n-obair  crioch- 
naichte.  Tha  t-obair  fein  agad-sa,  agus  m' 
obair  fein  agam-sa,  ach  tha  aon  obair  gus  a 
bheil  sinn  le  cheile  air  ar  gairm,  Is  i  so  obair 
Dhe,  gu'n  creid  sibh  anns  an  ti  a  chuir  e  uaith. 
Na  h-abair  gu'n  dean  thu  sin  am  inaireach, 
oir  an  la  ris  an  abair  thusa  am  maireach,  sin  an 
la  ris  an  abair  Dia  la  a'  bhrosnuchaidh. 

Tha  mo  laithean  na  's  luaithe  na  spaljigheadair. 
— loB  vii,  6. 

Thoir  Jios  dhomh,  a  Thighearn,  air  mo  chrich 
agus  tomhas  mo  laithean. — Salm  xxxix,  4. 

Eirich,  tha  e  'g  ad  ghairm. — Marc  x,  49- 

Chaidh   iadsan   a   bha  ullamh   a  steach,   agus 
dhruideadh  an  dorus. — Mata  xxv,  10. 


Sgeul  mu  thimchioU  an  Abstoil  Eoin 

Le  Niall  Mac-an-Tuairneib,  F.R.H.S.,  Loch  Portain,  Uidhist-a-Tuath 


THA  an  sgeul  a  leanas  mu'n  diadhair  Eoin  air 
innseadh  le  luchd-eachdraidh  na  h-eaglais, 
air  a  thoirt  a  nuas  do'r  n-ionnsuidh  o  linn  gu 
linn,  agus  air  a  chunntas  f  irinneach. 

Bha  Eoin  air  fhogradh  le  Domitian,  aon  de 
mhor-fhlaithean  na  Roimh,  do  dh'eilean  uaig- 
neach  da'm  b'ainm  Patmos  ;  ach  an  deidh  bais 
an  duine  an-iochdmhor  sin,  phill  e  gu  Ephesus, 
a  chur  air  leth  cleir  cheart  gu  bhi  thaii'is  air  an 
t-sluagh.  Air  dha  dol  gu  Smyrna  (baile-mor 
ainmeil  a  bha  's  an  tir),  agus  air  dha  bhi  labhairt 
ris  an  t-sluagh,  mhothaich  e  oganach  eireachdail 
dreachmhor,  agus  ni  'na  aodann  is  'na  ghniiis  a 
thalaidh  a  chridhe  gu  mor  ris.  Labhair  an 
diadhair  Eoin  mar  so  ris  an  easbuig  a  shuidhich 
e  thairis  air  an  eaglais  sin  : — •"  Beachdaich," 
ars'  esan,  "  air  an  oganach  ud.  Gabh  e  fo 
d'churam  an  lathair  na  h-eaglais,  agus  an 
lathair  Chriosd,  ceannard  na  h-eaglais.  Tha 
mise  'ga  earbsa  riut  ;  cum  siiil  air." 

Gheall  an  t-easbuig  a  dheanamh  mar  a 
dh'iarradh  air,  agus  dh'earaiUch  Eoin  air  a  ris 
agus  a  ris  e  chuimhneachadh  na  chaidh  a  chuir 
mu  choinneamh.  Thug  an  t-easbuig  dhachaidh 
an  t-6ganach  a  dh'ionnsuidh  a  thighe  fein. 
Thug  e  dha  gach  gne  foghluim  is  fiosrachaidh ; 
dh'araich,  dh'altrum,  agus  thog  se  e  ann  an 
eolas  air  Criosd  ;   agus  fa-dheoidh  bhaist  se  e. 

Ach  cha  do  ghleidh  an  t-easbuig  an  t-suil  sin 
air  an  oganach  bu  choir  dha,  agus  a  gheall  e. 
Tharruing  e  suas  ri  droch  chompanaich,  agus 


bha  e  tadhal  droch  chuideachd.  Bho  bheag  gu 
mor,  chinn  e  gorach,  peacach,  mi-gheamhnuidh. 
Air  dha  dol  aon  uair  air  seachran,  chaidh  e  air 
adhart  a'  cur  an  gniomh  gach  gne  gniomharadh 
eagallach.  Chaill  e  a  dhochas,  a  shlainte,  agus 
a  mhaitheanas  peacaidh.  Chinn  e  dalma,  dana, 
— comharraichte  air  son  gach  gne  giiilain  bu 
mhiosa  na  cheile.  Chruinnich  e  mu  thimchioll 
buidheann  do  dh'oganaich  cosmhail  ris  fein — 
deas,  uidheamaichte,  agus  togarach  airson  ni 
peacach  sam  bith  a  dheanamh.  Chuir  se  e  fein 
OS  an  ceann  mar  cheannard.  Chinn  iad  'n  an 
spiiinneadairean  's  'n  an  robairean  ;  agus  b'e  an 
t-6ganach  truagh  so  b'  fhiadhaiche,  bu  bhuirbe, 
agus  bu  tithiche  air  dortadh  fola  'n  am  measg 
gu  leir. 

Beagan  bhhadhnachan  an  deidh  so,  thainig 
an  diadhair  Eoin  do'n  aite.  Chuir  e  fios  air  an 
easbuig  ris  an  d'earb  e  an  t-oganach.  "Thoir 
air  ais  dhomh,"  deir  esan,  "  na  dh'earb  mi  riut — 
na  dh'earb  mi  riut  an  ainm  Chriosd,  agus  an 
lathair  na  h-eaglais  air  an  do  chuir  mi  thusa 
thairis  mar  easbuig.  C'ait  a'  bheil  an  t'oganach 
a  chairich  mi  fo  d'churam  ?  Freagair  dhomhsa, 
is  freagair  do'n  eaglais  air  a  shon  agus  airson 
anmanna  air  na  gheall  thu  faire  a  dheanamh." 

Tharruing  an  seann  duine  osna  throm. 
"  Tha  e  "  ars'  esan,  "  rnarbh  do  Dhia.  Chaidh 
e  air  seachran.  Threig  e  mi.  Chinn  e  'na 
mheirleach,  'na  fhear-reubainn,  'na  spuinne- 
adair,  agus  *na  mhortair." 


8 


SGEUL  MU  THIMCHIOLL  AN  ABSTOIL  EOIN— AIG  AN  UINNEIG 


"  Freagair  mi,"  arsa  Eoin,  "  c'ait  a  bheil  e  ?  " 
"  Tha  e,"  ars'  an  seann  duine,  "  'na  cheannai'd 
air  buidheann  laidir  de  luchd-reubainn  a  tha 
tathachadh  nam  beann,  agus  a  tha  'n  an  culaidh- 
oillt  do'n  tir  uile." 

"  An  ann  mar  so,"  arsa  Eoin,  "  a  choimhlion 
thusa  na  dh'earb  mi  riut.  Faighibh  dhomh 
each  a  thiota,  agus  faighibh  dhomh  fear-eigin 
a  threoraicheas  mi  dh'ionnsuidh  an  aite  's  a' 
bheil  e  tamh,  e  fein  agus  a  bhuidheann  a  tha 
maille  ris." 

Cha  robh  math  cuir  'na  aghaidh.  Dh'f  halbh 
e  fein  agus  fear  eile  maille  ris.  Rainig  iad  a' 
bheinn.  Choinnich  cuid  de  na  spuinneadairean 
e.  Ghlac  iad  e,  's  cha  do  chuir  e  'n  an  aghaidh. 
"  Thugaibh  mi,  ars'  esan,  an  lathair  'ur  cean- 
naird  ;  is  miann  leam  labhairt  ris."  Rinn  iad 
so.  Sheas  an  ceannard.  Bheachdaich  e  le 
iongantas  air  an  duine  a  bha  so  a'  dluthachadh 
air  ;  ach  co  luath  's  a  thuig  e  co  bh'ann,  ghrad 
theich  e  le  naire — cha  diiraichdeadh  e  a  choin- 
neachadh.  Ach  lean  an  diadhair  Eoin,  aosmhor 
mar  a  bha  e — lean  se  e,  a'  glaodhach  na  deidh, 
"  A  mhic,"  ars'  esan,  tha  thu  teicheadh  o 
d'athair,  nach  stad  thu  ?  Car  son  a  tha  thu 
a'  teicheadh  o  sheann  duine  gun  airm,  gun 
chomas  ciorram  no  olc  a  dheanamh  ort  ?  Guidh- 
eam  ort  stad  !  " 

Stad  an  t-6ganach.  Chaidh  an  duine  beann- 
aichte  suas  dliith  dha,  agus,  le  aogas  ghraidh. 


thubhairt  esan  do'n  d'thug  Criosd  moran 
graidh,  "  Na  diiilt  mi  ;  pill  an  uchd  Chriosd  ; 
pill  !  Fag  an  taite  so  ;  fag  do  chompanaich 
pheacach.  Na  caill  do  dhochas.  Na  smuainich 
nach  'eil  dochas  ann  ;  na  smuainich  nach  'eil 
maitheanas  peacaidh  ri  fhaotainn.  Ni  mise 
guidhe  agus  iirnuigh  air  doshon.  Na'm  b'eiginn, 
bhasaichinn  air  an  am  air  do  shon,  oir  bhasaich 
Criosd  air  ar  son  le  cheile.  Seas  ;  striochd  ; — 
an  ainm  an  Athar  's  a  Mhic,  tha  mise  'g  ad  ghlac- 
adh.  Creid  mi,  's  'e  Criosd  a  chuir  mi  mach 
air  do  thoir/' 

Theirinn  an  t-6ganach  as  an  diollaid — thug  e 
a  chlogad  dheth,  thilg  e  an  claidheamh  as  a 
laimh,  thuit  e  air  a  dha  ghluin — agus  ghuil  is 
chaoin  e  mar  phaisde  a  bhiodh  air  a  smachd- 
achadh.  Chrom  an  diadhair  aosmhor  thairis 
air,  agus  shil  e  gu  frasach  a  dheoir,  air  chor  's 
gu'n  robh  an  t-6ganach  a  nis  air  a  bhaisteadh 
le  deuraibh  goirt,  ach  deuraibh  grasmhor. 

Phill  e  dhachaidh  maille  ri  Eoin.  Rinn  e 
aidmheil  fhollaiseach  an  lathair  na  h-eaglais  ; 
rinn  e  iomadh  txrnuigh  dhurachdach.  Cha  do 
dhealaich  Eoin  ris  a  latha  na  dh'oidhche  fad 
tiine  mhoir,  a'  leughadh  nan  Sgriobtuirean  le 
cheile,  a'  seanchas  mu  thimchioll  an  t-Slan- 
uigheir.  Cha  robh  's  an  eaglais  an  deidh  sin  aon 
duine  bu  chomharraichte  no  a  b'ainmeile  air 
son  a  dhiadhaidheachd  's  a  ghiiilan  criosdail  na'n 
t-6ganach  mu'n  d'innis  mi  an  sgeul  bheag  so. 


Aig  an  Uinneig 


An  fheadhainn  nach  maireann 

CHAOCHAIL  da  mhinistear  Ghaidhealach 
o  chionn  ghoirid  a  bhios  moran  anns  an 
eaglais  a'  caoidh,  oir  bha  iad  le  cheile  fo 
dheagh  chliti  mar  mhinistearan  diadhaidh,  sois- 
geulach,  am  measg  am  braithrean  agus  am 
measg  an  t-sluaigh,  Alasdair  Black,  a  bha 
am  Portrigh,  agus  Iain  Friseil  a  bha  an 
Dornoch. 

B'  ann  am  Muile  a  rugadh  Alasdair  Black  ; 
bhuineadh  e  do  theaghlach  Baisteach,  ach 
thainig  e  a  steach  a  dh  eaglais  na  h-Alba,  is 
fhuair  e  cead  searmonachaidh  bho  Chleir 
He  an  1892.  Bha  e  air  a  shuidheachadh  am 
Port-righ  an  1894,  is  shaothraich  e  an  sin  gus 
an  d'  thainig  a'  chrioch  air  gu  h-obann.  Bha 
Alasdair  Black  measail  am  measg  a  dhaoine 
fein,  agus  an  Cleir  an  Eilean  Sgitheanaich,  oir 
bha  e  'n  a  dhuine  ciallach,  glic  ;  'n  a  shear- 
monaiche  maith,  agus  eudmhor  air  taobh  a' 
Chreidimh  anns  an  d'  fhuair  e  oileanachadh. 
Ged  nach  robh  moran  eolais  agam  air  Iain 


Friseil,  b'  aithne  dhomh  uinie  uile  laithean  mo 
mhinistrealachd,  is  chuala  mi  e  a'  searmon- 
achadh  aon  uair  co  dhiii.  B'  aithne  dhomh 
daoine  a  bha  eolach  air,  is  bhitheadh  iad  ag 
innseadh  dhomh  an  seorsa  duine  a  bha  ann  ; 
duine  beag  diiiid  nach  ro  laidir  riamh,  ach 
aig  an  robh  inntinn  a  bha  coltach  ri  inntinn  nan 
seann  aithrichean,  chan  e  aithrichean  na 
h-eaglaise  Saoire,  ach  aithrichean  a  b'  fhearr, 
aithrichean  na  h-eaglais  Choitchinn,  Augustine, 
agus  Chrysostom,  agus  Athanasius,  agus  an 
seorsa  sin.  Ged  nach  robh  Iain  Friseal  'n  a 
sgoilear  bha  inntinn  diadhair  aige  gu  nadun-a, 
inntinn  anns  an  robh  talamh  reamhar  agus 
domhain,  anns  am  freumhaicheadh  agus  am 
fasadh  an  siol  a  bha  e  a'  cur  innte  a  Facal  an 
Tighearna,  no  a  leabhraichean  eile.  Bha  e  'n  a 
shearmonaiche  ris  am  b'  fhiach  do  shluagh  an 
Tighearn  eisdeachd,  ach  na  b'  fhearr  na  sin,  bha 
e  'n  a  dhuine  ciiiin,  glic ;  air  a  chuartachadh 
daonnan  le  aileadh  agus  le  irioslachd  na  diadh- 
aidheachd. 


Aireamh  ii 


93 


Socraichte  air  an  deasgainibh 

Leis  an  Oileanach,  Raonull  Mac  Dhonnchaidh,  M.A.,  an  Obar-Dheathan 

"  Agus  tarlaidh  anns  an  am  sin,  gu'n  rannsaich  mise  lerusalem  U  coinnUbh,  agus  smachdaichidh  mi  na  daoine 
a  tha  air  socrachadh  air  an  deasgainibh  ;  a  tha  'g  radh  'nan  cridhe,  Cha  dean  an  Tighearn  maith,  ni 
mo  ani  e  olc.'' — Sephaniah,  i.  12. 


ANNS' an  la  anns  a  bheil  sinn  beo  tha  moran 
x\.an  taobh  a  muigh  de'n  eaglais.  Chan  abair 
mi  gur  e  droch  dhaoine  a  tha  ann  an  cuid 
dhiubh  idir,  ach  'se  mo  mhor-bharail  gu  bheil 
roinn  mhor  dhiubh  socraichte  air  an  deasgainibh, 
agus  ag  radh  'nan  cridhe,  cha  dean  an  Tighearna 
maith  ni  mo  a  ni  e  olc.  Tha  an  earrann  so  air 
a  sgriobhadh  leis  an  fhaidh  anns  an  t-seann 
aimsir  cho  fior  is  a  bha  i  riamh.  Tha  moran 
socraichte  air  an  deasgainibh.  Tha  iad  coma 
CO  dhiubh.  Ma  gheibh  iad  air  adhart  anns  an 
t-saoghal  air  dhoigh  air  chor-eigin  tha  iad  coma 
ciod  a  thachras.  Chan  'eil  speis  aca  do  Dhia. 
Cha  dean  Dia  maith,  tha  iad  ag  radh,  ni  mo 
a  ni  e  olc.  Bu  cheart  cho  maith  dhaibh  a  radh, 
Chan  'eil  Dia  idir  ann.  Cha  chreid  iad  gu  bheil 
e  comasach  do  Dhia  a  bhi  feargach  ri  aingidh- 
eachd  agus  ri  peacadh.  Chan  'eil  speis  aca  gu 
bheil  Dia  os  an  cionn  agus  gu  bheil  aca  ri 
breitheanas  a  choinneachadh.  Tha  an  cridh- 
eachan  mar  uisge  plodach.  Chan  'eil  feum  aca- 
san  air  Dia  ann.  Ni  iad  an  gnothach  gun  Dia 
idir.  Car  son  a  chuireadh  iad  de  dhragh  orra 
fein  na  dheanadh  aoradh  do  Dhia  ?  Chan  'eil 
eagal  'sam  bith  orra-san  roimh  fhearg  an 
Tighearna. 

La  a'  bhreitheanais  is  rannsachadh  na 
h-£aglais 

Ach,  a  chairdean,  nach  e  a'  cheud  ni  a  tha 
air  a  chur  fo  ar  comhair  anns  a'  cheann-teagaisg 
so  gu  bheil  la  an  Tighearna  ann,  gu  bheil  breith- 
eanas ri  teachd.  Agus  tha  e  air  a  chur  fo  ar 
comhair  gu  soilleir  ciod  an  seorsa  la  a  bhios  an 
sin.  Tha  an  Tighearna  ag  radh  gu'n  rannsaich 
e  lerusalem  le  coinnlibh.  Rannsaichidh  e  gu 
mionaideach.  Chan  f hag  e  neach  gun  sealltuinn 
air.  "  Dean  iirnuigh  agus  faire  " — chan  'eil 
briathran  ann  d'  am  bu  choir  dhuinn  barrachd 
speis  a  thabhairt. 

"  Tarlaidh,"  ars'  an  Tighearna,  "  gu'n  rann- 
saich mise  lerusalem.  lerusalem  !  Ciod  a  tha 
air  a  chiallachadh  le  sin  ?  Tha,  gu'n  rannsaich 
e  eaglais  fein,  a  shluagh  agus  a  chlann  fein, 
iadsan  a  tha  air  an  ainmeachadh  air  ainm.  Tha 
moran  'nam  buill  ann  an  eaglais  an  Tighearna 
an  diugh  a  tha  socraichte  air  an  deasgainibh, 
agus  tha  iad  feumach  air  an  diisgadh.  Tha 
cuid  aca  a'  dfeanamh  dheth  ma  bhitheas  an  ainm 
sgriobhte  air  rola  eaglais  gu  bheil  an  gnothach 


ceart  gu  leoir.  Gheibh  iad  baisteadh  is  posadh, 
is  ciod  an  corr  a  tha  a  dhith  orra.  Tha  an 
cridheachan  fuar  agus  marbh,  agus  chan  'eil 
fios  aca  car  son  a  tha  an  eaglais  idir  ann.  Cha 
d'  thug  iadsan  an  cridheachan  do  an  Tighearna. 
Cha  d'  eisd  iad  riamh  r'a  ghuth  is  cha  d'  thug 
iad  fa-near.  'S  math  a  dh'  fhaodadh  an  Tigh- 
earna a  radh  mu'n  deidh  "  Chan  'eil  mo  shluagh- 
sa  a'  toirt  fa-near."  Tha  iad  'nan  cadal  a 
thaobh  gnothuichean  spioradail.  Cha  toir  iad 
da  smuain  do  chuisean  an  anama. 

Eisdeamaid  ri  Pol,  "  Ach  a  reir  do  chruais  agus 
do  chridhe  neo-aithreachail,  tha  thu  ag  carnadh 
suas  feirge  dhuit  fein  fa  chomhair  la  na  feirge, 
agus  foillseachadh  ceart-bhreitheanais  Dhe  ; 
a  bheir  do  gach  neach  a  reir  a  ghniomharan. " 
Rom.  ii.  7.  Eisdeamaid  ri  Peadar,  "  Oir  thainig 
an  t-am  anns  an  toisich  breitheanas  aig  tigh 
Dhe  :  agus  ma  thoisicheas  e  againne,  ciod  is 
crioch  dhaibhsan  a  tha  eas-umhail  do  shoisgeul 
Dhe  ?  Agus  ma's  ann  air  eigin  a  thearnar  am 
firean  c'ait  an  taisbein  an  duine  mi-dhiadhaidh 
agus  am  peacach  e  fein."  1  Pead  iv.  17-18. 
Eisdeamaid  ri  Amos,  "  Is  sibhse  mhain  air  an 
do  ghabh  mi  eolas  a  dh'  uile  theaghlaichibh  na 
talmhainn  :  uime  sin  smachdaichidh  mi  sibh 
air  son  ar  n-uile  lochdan."     Amos  iii.  2. 

Smachdaichidh  Dia  a  shluagh  fein .  Tha  moran 
air  a  thoirt  dhaibh  agus  bithidh  moran  air 
iarraidh  orra.  Tha  Criosd  ag  coimhead  air 
eaglais  air  an  talamh  mar  a  chorp  fein.  "  Is 
sibhse  corp  Chriosd."  Tha  obair  aig  an  eaglais 
r'a  dheanamh  ;  tha  aice  ri  saothrachadh  air 
son  Chriosd.  'S  ann  troimpe  a  tha  Criosd  a' 
ruigheachd  air  muinntir  a  tha  fad  as.  Agus 
an  uair  a  thig  Dia  a  rannsachadh  's  ann  air  an 
eaglais  a  choimheadas  e  an  toiseach.  Agus 
ciod  i  an  eaglais  ?  Mise  agus  tusa,  agus  gach 
neach  a  tha  air  ainmeachadh  air  ainn  Chriosd. 

Earbsa  Chriosd  as  a  shluagh 
Tha  Criosd  ag  earbsadh  a  daoine.  Dh'  fhag 
e  na  deisciobuil  gu  eaglais  a  chumail  suas, 
agus  's  ann  ruinne  a  tha  e  ag  coimhead  an  diugh. 
Tha  sgriobhaiche  ^raidh  ag  uisneachadh  a 
mhac-meanmain  ann  a  bhi  a'  toirt  dealbh 
dhuinn  air  an  iongantas  a  bha  am  measg  cumh- 
achdan  nan  n^amhan  ris  an  ni  so  a  rinn  Criosd. 
Tha  Gabriel  ag  cur  failte  air  an  neach  bhuadh- 
mhor  a  tha  air  tilleadh  o'n  chomhraig  ua*mh- 


2 


SOCRAICHTE  AIR  AN  DEASGAINIBH— BAILE  LAODICEA 


asaich  anns  an  robh  e,  agus  tha  an  t-aingeal  sin 
a'  deanamh  uaill  as  a'  bhuaidh  a  thug  e  mach. 
"  Ach,"  ars'  esan,  "  an  d'  rinn  thu  cinnteach 
gu'm  bi  toradh  do  bhuadhach  air  a  ghleidh- 
eadh  ?  An  d'  rinn  thu  cinnteach  gu'n  teid  an 
sgeul  aoibhneach  timchioll  an  t-saoghail  ?  " 
Agus  fhreagair  Criosd  gu  socair  gu  robh  e  ag 
earbsadh  as  a  dheisciobuil^ — "  Dh'  innis  mi 
do  Pheadar,  agus  do  Eoin,  agus  do  chach,  na 
h-uile  nithean.  Dh'  fhosgail  mi  mo  chridhe  ri 
Muire,  agus  ri  Marta,  agus  ri  'n  cairdean." 
"  Ach,  a  Thighearna,  ciod  a  thachras  ma 
dhichuimhnicheas  iad,  agus  gu'n  dibir  iad  thu. 
An  d'  rinn  thu  oidhirp  'sam  bith  eile  a  dheanamh 
cinnteach  gu'n  rachadh  do  rioghachd  a  chur 
air  bonn  ?  "  "  Cha  d'  rinn.  Cuiridh  Peadar 
agus  Eoin  agus  Marta  an  ceill  e  d'an  cairdean, 
agus  innsidh  an  cairdean  d'an  cairdean-san  e, 
agus  mar  sin  theid  sgeul  aoibhneach  an  t-sois- 
geil  air  feadh  an  t-saoghail,  agus  mar  sin 
troimh  na  linntean  theid  toil  an  Athar  a 
dheanamh  gus  mu  dheireadh  an  tig  an  Riogh- 
achd." "  A  'Thighearna,  a  bheil  eagal  idir  ort 
an  uair  a  dh'  fheoraicheas  iad  dhiot  mu  thim- 
chioll  do  dheisciobul  ?  "  Agus  dh'  fhosgail 
na  suilean  siorruidh  ud  le  ionghnadh.  "  Eagal, 
a  Ghabriel,  chan  aithne  dhuitsa  mo  Pheadar-sa 
agus  m'  Eoin ;  chan  aithne  dhuit  Muire  agus 
a  peathraichean." 

Peacadh  a'  mhi-churam 

Tha  iomadh  seorsa  peacaidh  ann,  ach  taing 
do  Dhia  gu  bheil  maitheanas  ann  an  Criosd. 
Thuit  Peadar  bochd  iomadh  uair,  ach  air  a' 
cheann  thall  f  huair  e  de  dh'  eolas  air  gradh  agus 
gras  an  Fhir-Shaoraidh  is  gu'n  tug  e  buaidh. 
Ach  ged  a  pheacaich  Peadar  cha  robh  e  socair 
air  a  dheasgainibh.     Bha  e  a'  deanamh  spairn 


chruaidh  gu  cuing  a'  pheacaidh  a  thilgeadh 
dheth,  agus  saorsa  fhaotainn.  A  chairdean, 
's  e  peacadh  mor  a  tha  ann  do  dhuine  a  bhi 
socraichte  air  a  dheasgainibh.  B'  fhearr 
dhuinn  gu  mor  a  bhi  a'  toirt  ceum  air  an  t- 
slighe  ged  a  thuiteamaid  air  uairibh.  Tha 
fearg  Dhe  riu-san  a  tha  coma-co-dhiubh,  agus 
tha  peanas  a'  feitheamh  orra,  ma  gheibhear 
mar  sin  iad.  Tha  Dia  an  diugh  a'  sireadh 
pheacach.  Ma  tha  thusa  socraichte  air  do 
dheasgainibh,  a  bheil  thu  idir  'g  a  fhaicinn  a' 
tighinn  le  solus  na  coinnle.  Cuir  a  thaobh  gach 
ni  a  tha  'g  ad  dhalladh,  gach  ni  a  tha  a'  tighinn 
eadar  thu  fein  agus  Dia,  agus  ruith  'ga  ionn- 
suidh.  Ma  tha  sinne  socraichte  air  ar  deas- 
gainibh,  chan  'eil  sinn  ullamh  gu  Dia  'gar 
rannsachadh.  Mur  bheil  sinn  a'  faicinn 
maitheas  an  Tighearna  tha  sinn  feumach  air 
tuilleadh  soluis.  Ma  tha  sinn  ag  radh  nach 
dean  e  olc  oirnn  tha  sinn  a  cheart  cho  dall. 
Smachdaichidh  Dia  a  chlann  eas-umhail. 

'S  e  an  diugh,  ann  an  doigh  gu  math  foll- 
aiseach,  la  an  Tighearna ;  an  diugh  la  na 
slainte  ;  eireamaid  agus  cuireamaid  ar  n- 
aghaidh  air  baile  nfeamhaidh.  Bha  mise  uair- 
eigin  agus  cha  toireadh  e  da  smuain  dhomh  an 
uair  a  chluinninn  seirbhisich  an  Tighearna  a' 
labhairt  air  neo-chinnteachd  beatha  an  duine, 
agus  am  feum  air  beatha  coisrighte  do  Chriosd. 
Ach  tha  mo  shuilean  fein  a  nis  air  firinn  na 
h-earail  so  fhaicinn.  Fenmaidh  duine  oibre- 
achadh  am  feadh  is  la  e,  oir  tha  an  oidhche  a' 
teachd,  agus  rannsaichidh  Dia  Jerusalem  le 
coinnlibh.  Nar  leigeadh  Dia  gu  bheil  neach  a 
leughas  na  briathran  so  socraichte  air  a  dheas- 
gainibh, agus  ag  radh  'na  chridhe,  "  Cha  dean 
an  Tighearna  maith  ni  mo  a  ni  e  olc."  Dean 
spairn  chruaidh  gu  dol  a  steach  air  a'  gheata 
chumhann. 


Baile  Laodicea 


Leis  an  Uhbamach  Calum  Mac  Leoid,  M.A.,  an  Glaschu 


SE  baile  iomraiteach  'na  latha  a  bha  ann  an 
Laodicea.  Bha  e  suidhichte  far  an  robh  na 
roidean  as  an  aird  an  ear  ag  coinneachadh  'san 
Asia  Bheag.  B'  e  ceann-uidhe  nan  carabh- 
anaichean  a  bha  falbh  'sa  tighinn  leis  gach 
bathar  is  ceannachd  as  an  aird  an  ear.  'S  ann 
ann  a  bha  buitean  is  tighean-tasgaidh  nam  mar- 
santan  mora  a  bha  ag  craobh-sgaoileadh  gach 
ceannachd  luachmhor  feadh  bailtean  na  h-Asia 
Bige  ...  do  Cholose,  do  dh'  Ephesus,  do 
Smirna,  do  Thiatira  agus  feadh  na  diithcha  sin 
uile.  Baile  ainmeil  agus  saoibhir.  Is  ann  ann 
a  bha  tighean-tasgaidh  an  oir  aig  na  marsantan 
m6ra  beairteach  a  bha  reic  'sa  ceannach  gach 
bathar  is  ni  feumail  feadh  na  diithcha  uile. 
Bha  an  t-6r  ann  cho  pailt  ris  na  sligean.     Bha  a 


chlann  fhein  ann  cho  eolach  air  an  or  agus  a 
bha  iad  am  bailtean  eile  air  an  airgiod  ruadh. 
Cha  robh  dith  no  deireas  air  duine  ann  an  eaglais 
Laodicea  agus  an  t-6r  cho  pailt. 

Bha  a  rithisd  am  baile  so  ainmeil  air  son  clo 
sonraichte  a  bhatar  a  deanamh  ann  .  .  .  clo 
min  dubh,  a  bha  iomraiteach  feadh  na  tire  uile, 
siar  is  sear.  Bha  clo  Laodicea  ni  b'  ainmeile 
'san  latha  ud  na  tha  clo  na  h-Earadh  'nar  latha 
is  'nar  diithaich  fhein  .  .  .  clo  min,  finealta 
dubh.  Na  daoine  bu  bheartaiche  is  bu  inbheile 
'san  tir  bha  iad  air  an  sgeadachadh  ann  an 
trusgan  de  chlo  Laodicea.  Bha  am  baile 
taosgach  de  bheairtean  a'  fighe  nan  cloitean, 
agus  obair  agus  Ian  duais  aig  na  h-uile  a  thog- 
radh  a  bhi  deanamh  nan  cloitean  so.     Bha  so 


BAILE  LAODICEA 


3 


a'  deanamh  an  oir  pailt  do  na  h-uile  a  thogx'adh, 
agus  a'  toirt  comas  do  gach'  neach  a  bhi  air 
dheagh  chomhdachadh.  Cha  robh  duine  ann 
an  Laodicea  nach  robh  air  deagh  chuir-uime, 
agus  sin  an  aodach  grinn  eireachdail. 

Bha  mar  an  ceudna  Laodicea  ainmeil  air  son 
cungaidhean-leighis, gu  h-araidh  acainean airson 
siiilean  is  gruaidhean.  Bha  chan  e  mhain 
mnathan  is  nigheanan,  mar  a  tha  iad  an  diugh, 
ach  fir  is  gillean  an  ait  ud  ag  cleachdadh  acainn 
air  son  an  siiilean  's  an  gruaidhean.  Bha  sabh- 
shul  Laodicea  ainmeil.  Bha  acainnean  Lao- 
dicea air  an  deanamh  suas  ann  an  soitheach 
caol  grinn,  goireasach  do'n  phocaid,  mar  a  bha 
am  bocsa  alabastar  a  bha  aig  a  bhean  choir  eile. 
Dheanadh  an  sabh-shul  so  an  t-siiil  ni  b'  fhos- 
gailte  agus  ni  bu  bhoidhiche  ;  agus  bhathas 
de'n  bheachd  gu  robh  am  fradharc  fhein  ni  bu 
gheire  an  deidh  suathadh  dheth  a  chur  air  an 
t-siiil,  agus  gu  robh  rudhadh  ni  bu  ghlaine  as  a' 
ghruaidh  agus  faileas  ni  bu  shoilleire  as  a' 
chraicionn.  Bha  acainn  Laodicea  iomraiteach, 
agus,  a  reir  an  latha,  feumail.  Cha  bhitheadh 
fear  no  te  'na  Ian  dheise  gun  suathadh  de  dh' 
acainn  Laodicea  a  chur  air  an  siiil  agus  air  an 
gruaidh. 

Bha  naar  sin  muinntir  Laodicea  gu  maith 
dheth  da  rireadh.  An  t-6r  pailt  aca,  agus 
gheibheadh  an  t-6r  gach  goireas  a  bha  dhith 
orra.  Bha  iad  air  an  deagh  chur-umpa,  le  clo 
grinn  Laodicea  fhein,  agus  eadhon  grinneas  is 
comhfhurtachd  sabh-shiil  air  an  aodann.  Nach 
iad  a  bha  sona  dheth  ? 


An  guth  caol  ciuin 

Sin  mata,  mar  a  bha  na  daoine  ud  nuair  a 
thainig  an  Tighearna  losa  do'n  bhaile  agus  a 
thoisich  e  ag  grogadh  aig  na  dorsan  aca  :  "  Feuch 
tha  mi  am'  sheasamh  aig  an  dorus  agus  a'  hualadh : 
ma  dh'  eisdeas  neach  sam  hith  ri  m'  ghuth  agus 
gumfosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a  steach  d'a  ionn- 
suidh,  agus  gahhaidh  mi  mo  shuipeir  maille  ris 
agus  esan  maille  rium-sa." 

Agus  gu  de  a  tha  e  ag  radh  riu  an  toiseach  ? 
Gur  h-iad  a  tha  sona  agus  gu  maith  dheth  ? 
Gu  dearbh  chan  e.  Ach  so,  ma  tha  mi  ga 
thuigsinn  :  "  Tha  thu  bochd  agus  doruinneach 
agus  truagh  agus  dall  agus  lomnochd."  Co  a 
chuala  a  leithid  ?  Bochd,  agus  an  t-6r  mar  na 
sligean  againn  ;  doruinneach  is  truagh  agus 
sinn  cho  cothromach  is  comhfhurtail  agus  a  dh' 
iarradh  duine  beo.  Dall,  agus  an  deagh 
fhradharc  againn  agus  e  air  a  gheurachadh  le 
sabh-shiil  Laodicea  againn  fhein.  Is  cinnteach 
gur  coigreach  an  Duine  agus  nach  fhac  agus 
nach  cuala  e  mu  acainn  na  siilach  againne,  a  tha 
ainmeil  agus  a  rinn  ar  baile  iomraiteach  feadh 
an  domhainn  uile.  Lommochd,  agus  sinn  'nar 
deise  de'n  chlo  mhor  againn  fh6in,  agus  cait  a 
bheil  a  leithid  an  grinneas  's  am  buanachd, 


Eisd,  tha  e  a'  labhairt  a  rithisd,  agus  ag  radh  : 
"  Comhairlicheam  dhuit  or  a  cheannach  hhuam-sa 
air  a  dhearhhadh  'san  teine  chum  gum  hi  thu 
saoibhir."  Or  a  cheannach  bhuat-sa  ?  A 
charaid,  tha  againn  barrachd  air  n'as  urrainn 
dhuinn  feum  a  dheanamh  dheth,  agus  an  t-6r  as 
fearr,  or  nan  Innsean  agus  Ophir ;  tha  na 
cisteachan  Ian  againn  dheth.  Agus  aodach 
geal  a  cheannach  bhuat  cuideachd  gus  ar  comh- 
dachadh.  Gu  dearbh  tha,  agusdeise  airson  a 
h-uile  la  san  t-seachdain  againn  de'n  chlo  dhubh 
ghrinn  againn  fhein,  agus  b'e  sin  an  t-aodach  a 
chleitheadh  an  salchar  agus  cha  b'e  an  t-aodach 
geal  agad-sa.  "  Agus  iing  do  shiiilean  le  sabh- 
shiil  a  bheir  mise  dhuit,"  tha  e  ag  radh.  Is 
beag  a  tha  dh'  fhios  aige  air  sabh-shiil  agus 
acainn  Laodicea  agus  cho  geur  agus  a  tha  am 
fradharc  againne. 

Cluinn  e  a'  bualadh  aig  an  dorus  agus  ag 
iarraidh  a  steach.     Car  son  ? 

I.  Tha,  an  toiseach  a  chionn  gum  buin  an  ait- 
reabh  agus  an  neach  a  th'  innte  dha  fhein. 

Is  esan  a  thog  an  tigh  agus  buinidh  an  tigh 
agus  fear-an-tighe  dha  fhein.  Is  esan  a  chru- 
thaich  sinn,  corp  agus  anam,  agus  tha  coir 
cruthaichidh  aige  oirnn.  Chan  e  sin  a  mhain, 
ach  cheannaich  e  sinn  le  fhuil  luachmhor  fhein, 
agus  shaor  e  sinn.  Tha  coir  saoraidh  aige  oirnn 
cuideachd  ;  agus  is  ann  air  a  shon  fein  a  chruth- 
aich  agus  a  shaor  e  sinn,  chum  is  gu'n  gabhadh 
e-fhein  comhnuidh  annainn,  agus  sinne  annsan. 
Buinidh  sinn  dha-san  agus  tha  gradh  aige 
dhuinn  agus  tha  e  ag  iarraidh  a  bhi  maille 
ruinn.  Feuch,  tha  e  'na  sheasamh  aig  an  dorus 
agus  a'  bualadh.  Fear  do  ghraidh,  leig  a  steach 
e,  agus  e  a'  tighinn  gad  iarraidh  gus  am  bi  e 
maille  riut  agus  thusa  maille  ris-san. 

II.  Tha  e  a  r\s  'na  sheasamh  aig  an  dorus  agus 
a  bualadh,  agus  e  tighinn  le  uile  fheumaileachd  an 
anam. 

Tha  aitreabh  an  anam  ag  cur  feum  air  a 
glanadh  agus  air  a  cur  an  ordugh,  agus  tha  esan 
ag  iarraidh  a  steach  chum  is  gu'n  glan  e  i,  agus 
gu'n  cuir  e  loinn  is  grinneas  oirre.  Tha  moran 
a  stigh  a  dh'  fheumas  a  thilgeil  a  mach  .  .  . 
iomadach  ni  granda  gun  fheum  .  .  .  ana- 
mianna,  as-chreideamh,  leisg,  fuath,  gealtachd, 
an  fhein,  agus  a  leithidibh  sin  .  .  .  seann 
dhroch  airneis.  Agus  tha  deagh  airneis  aige- 
san  'na  chois  :  creideamh,  gradh,  gliocas,  coibh- 
neas,  fein-aicheadh. 

Glanaidh  esan  agus  cuiridh  e  loinn  air  t' 
anam :  cuiridh  e  buadhan  is  beannachdan 
glormhor  an  taobh  a  stigh  dhiot.  "  Feuch  tha 
mi  a'm'  sheasamh  aig  an  dorus  agus  a'  bualadh  " 
tha  e  ag  radh.  Fosgail  is  leig  a  steach  e.  Tha 
am  biadh  aige  'na  chois  cuideachd.  Is  e-fhein 
am  biadh.  Is  mise  aran  na  beatha,  tha  e  ag 
radh.  Gabhaidh  e  do  shuipeir  maille  riut.  Is 
ann  an  uair  sin  a  thuigeas  tu  cho  truagh  agus  a 


4       BAILE  LAODICEA— MAIGHSTIR  LACHLAINN  ANNS  A^  BHAILE-MHOR 


bha  an  ardoich  as  aonais-san  .  .  .  cho  salach 
mi-ordail,  ged  a  bha  gu  leor  innte  de'n  stuth  a 
bh'  innte  ;  nithean  saoghalta  anns  nach  robh 
brigh  no  beatha.  Is  mise  aran  na  beatha  agus 
gabhaidh  mi  mo  shuipeir  maille  ribh.  Chan 
'eil  cion  bidhe  air  an  anam  anns  am  beil  Criosd 
tre  a  Spiorad  agus  chan  e  sin  a  mhain  ach  bheir 
e  dhuinn  or  air  a  dhearbhadh  'san  teine,  ciiin- 
eadh  rioghachd  Neimh,  a  cheannaicheas  uil- 
fheumalachd  an  duine.  Is  ioma  rud  buidhe's 
chan  or,  agus  chan  or  idir  an  ni  sin  a  bha  sinne 
a  smaoineachadh  a  bha  cho  pailt  againn  ri  na 
sligean  ;  chan  'eil  dealbh  is  sgriobhadh  Righ 
Neimh  idir  air. 

Co  tha  aig  an  dorus  ?     Tha  Righ  na  gloire. 

Togaibh,  O  gheatacha,  bhur  cinn, 
is  6iribh  suas  gu  h-ard, 
O  dhorsa  siorruidh  ;  Righ  na  gloir 
gu'n  tigeadh  e  'ga  kit. 

Agus  an  uair  a  leigeas  tu  a  steach  e,  chan  e 
mhain  gu'm  bidh  cuirm  agaibh  ach  bidh  conal- 
tradh  is  caidreamh  diadhaidh.  Chan  fhiach 
cuirm  gun  a  comhradh,  bha  iad  ag  radh  ;  agus 
bithidh  comhradh  graidh  aige  ruinne  agus 
againne  ris-san  is  e  air  a  thighinn,  Fear  ar 
graidh.  Tha  an  cridhe  is  an  ardoich  a  bha 
roimhe  meadh-bhlath  .  .  .  gun  a  bhi  fuar  no 
teth  ...  an  nise  a  lasadh  le  teas  ghradh 
dha-san  agus  e  air  a  thighinn.  Agus  uil- 
fheumalachd    an    anam    aige    'na    chois  .  .  . 


airneis  an  tighe  agus  biadh  agus  blathas  agus 
comhfhurtachd.  Bheir  e  dhuinn  cuideachd 
mar  a  thubhairt  e,  trusgan  de  fhireantachd 
fhein  ,  .  .  aodach  geal  an  ait  a  chlo  dhuibh  sin 
a  dh'  f high  sinn  fhein  agus  as  an  robh  a  leithid 
a  dh'  uaill  againn  ;  agus  e  cho  maith  air  cleith 
an  t-salchair.  "  A  Chatriona,"  arsa  fear  de  na 
ministeirean  ri  Catriona  Thangaidh  agus  i  aig 
Ordugh  Steornabhaigh,  "  is  tu  a  tha  spaideil, 
is  ann  ort  a  tha  an  giin  riomhach,  chan  'eil  n'  as 
eireachdaile  aig  Ledi  Matsan."  "  Anta,"  arsa 
Catriona,  "  tha  an  gun  maith  is  maiseach,  agus 
gum  fada  bhios  giin  aig  an  te  a  thug  dhomhsa 
e,  ach  tha  fear  eile  agam  moran  n'  as  fhearr 
agus  n'  as  maisiche  na  e  so."  "  Am  beil,"  ars'  am 
ministear.  "  Tha,  a  charaid,  gim  fada  geal  de 
fhireantachd  Chriosd,  agus  bu  mhiann  suil 
dhuibh  fhaicinn  ;  agus  am  beil  fhios  agaibh-se 
gur  h-ann  a  tha  mise  a  smaoineachadh  gu  bheil 
seorsa  de  fharmad  aig  na  h-ainglean  rium  airson 
nach  'eil  a  leithid  aca  fhein."  Sin  e,  a  bhana- 
charaid,  aodach  geal  de  dh'  fhireantachd 
Chriosd. 

Agus  a  thaobh  fradharc  nach  e  e-fhein  an 
solus  agus  'na  sholus-san  chi  sinne  an  solus. 
Bidh  fradharc  geur  da-rireadh  againn  agus 
e-fhein  a  toirt  dhuinn  sabh-shul  agus  acainn- 
mhaise.  Fosglaidh  sinn  dha  agus  gabhaidh 
sinn  ar  suipeir  maille  ris  agus  esan  maille 
ruinne. 


Maighstir  Lachlainn  anns  a'  Bhaile-mhor 

Leis  an  Uhramach  Calum  Mac  Le6id,  M.A.,  an  Glaschu 


CHAIDH  Maighstir  Lachainn  diadhaidh  a 
bha  an  Loch-carran  uair-eigin  sgriob  do'n 
bhaile-mhor  agus  thadhail  e  oidhche  Shathuirne 
air  caraid  dha,  ministear  aon  de  dh'  eaglaisean 
mora  a'  bhaile.  Anta,  ars'  a  charaid,  is  maith 
gu'n  thadhail  thu  ;  searmonaichidh  tu  dhomh- 
sa maduinn  am  maireach.  Ni  mise  sin,  arsa 
Maighstir  Lachainn,  agus  iarraidh  sinn  teach- 
daireachd  air  an  Tighearna. 

Nuair  a  sheas  e  'san  chiibaid  air  la-arna- 
mhaireach,  agus  deise  de  chlo  Gaidhealach  air, 
is  ann  a  rinn  moran  snodha  gaire  agus  am 
ministear  cho  ao-coltach  ri  grinneas  a  bhaile- 
mhoir.  Ach  cha  b'  fhada  gus  na  dh'  eisd  iad 
uile  le  ro  aire  is  le  mor  iongnadh. 

"  A  chairdean  "  ars'  esan  "  chan  'eil  mise  ach 
air  falbh  o'n  tigh  agus  beagan  a  laithean  saora 
agam  agus  chan  'eil  searmoin  agam,  ach  innsidh 
mi  naidheachd  dhuibh."  "  Bha,"  ars'  esan, 
"  againn  air  a'  Ghaidhealtachd  Ceann-cinnidh 
mor  agus  ainmeil ;  bha  oighreachd  shaoibhir 
fharsaing  aige  agus  bha  e  a'  fuireach  ann  an 
caisteal  mor  riomhach  air  an  oighreachd.  Bha 
e  'na  bhanntraich  agus  cha  robh  aige  ach  aon 
duine  cloinne,nighean  eireachdail  ochdbhadhna 
deug  agus  bha  i  cho  muirneach  aige  ri  cloich  a 


shulach.  La  bha  sid,  ghairm  a  h-athair  a  steach 
d'a  sheomar  gnothach  i,  agus  thubhairt  e  rithe  : 
Nis  a  Mhairi  chan  'eil  agam-sa  ach  thu-fhein, 
agus  rinn  mise  tiomnadh,  agus  na  h-uile  ni  a 
bhuineas  dhomh-sa  is  leat-sa  e.  Tha  thu  a  nis 
air  tighinn  gu  ire,  agus  chan  fhada  gus  am  bi 
fear  is  fear  ag  iarraidh  do  laimhe  gus  do 
phosadh.  Feuch  gu'n  dean  thu  roghainn 
mhaith,  oir  tha  do  shonas  an  so  .  .  •  agus  an 
earrainn  mhor  'san  ath-shaoghal  ...  an  cro- 
chadh  ri  c6  a  phosas  tu.  Tha  mise  a  dol 
dheanamh  cuirm  a  leanas  fad  seachdanach  agus 
tha  mi  dol  a  thoirt  cuiridh  do  dh'  oigridh  na 
diithcha  chum  is  gu'n  dean  thu  roghainn  mhaith 
agus  fhios  agam  gu'n  d'  iarr  fear  is  fear  do 
lamh,  aig  a  chuirm.  Ceart  gu  leor,  athair,  arsa 
Mairi,  na  bitheadh  eagal  oirbh-se  nach  dean 
mise  an  ni  tha  ceart. 

Fhuair  6g-uaislean  na  tire  cuireadh  chum  na 
cuirme,  agus  thainig  an  ceann-latha.  Bha  a 
bhean  bg  'ga  sgeadachadh  fhein  'na  seomar  gu 
h-aird  a'  staidhre  agus  a  bean-frithealaidh 
comhla  rithe,  nuair  a  chualas  bualadh  uamh- 
asach  aig  an  dorus  chtiil.  Chaidh  na  searbh- 
antan  chun  an  doruis  agus  c6  bha  'n  so  ach 
diol-deirce  agus  e  air  dha  bhata  agus  gun  an 


MAIGHSTIR  LACHLAINN  ANNS  A^  BHAILE-MHOR— ANNS  A'  CHATHAIR      5 


aodach  slaii  fhein  air.  Tha  mi,  ars'  esan  ag 
iarraidh  nighean  6g  an  tighe  fhaicinn.  Chan 
fhaic  thu  sin,  bi  falbh,  ars'  iadsan,  tha  1  ga 
sgeadachadh  fhein  an  drasda  agus  cuirm  shogh- 
mhor  aig  oigridh  na  duthcha  an  so  an  diugh. 
Agus  dhiiin  iad  an  dorus  'na  aodann.  Ach  ma 
dhuin  bhuail  esan  an  dorus  a  rithisd  agus  gun 
sgur.  Falbh,  ars'  an  chaileag  uasal  ri  a  bean- 
frithealaidh  agus  faic  c6  a  tha  deanamh  a 
bhualaidh  uamhasaich  ud  air  an  dorus  chuil. 
Dh'  fhalbh  i,  agus  thainig  i.  Tha,  ars'  ise, 
diol-deirce  bochd  agus  e  ag  iarraidh  sibh-fhein 
fhaicinn.  Is  fhearr  dhomh  a  reist  a  dhol  far  a' 
bheil  e,  ars'  an  6g-bhean.  Agus  rinn  i  sin.  De 
tha  thu  ag  iarraidh  ?  ars'  ise.  Tha,  ars'  esan, 
thu-fhein  ri  phosadh.  Thug  i  siiil  air.  Cuin  ? 
ars 'ise.  La  is  bliadhna  o'n  diugh.  So  mo 
lamh  dhuit,  ars'  ise,  agus  dh'  fhalbh  esan. 
Ghabh  na  seirbheisich  uamhas  agus  iad  a' 
faicinn  agus  ag  eisdeachd  ach  bha  dtiil  aca  gur 
h-ann  ri  feala-dha  a  bha  i. 

Thainig  na  h-6igearan  agus  chaidh  a'  ehuirm 
air  adhart  fad  seachdain.  Thug  fear  is  fear 
tairgse  posaidh  do'n  nighinn,  ach  bha  an  aon 
fhreagairt  aice-se  dhaibh  uile  :  gu  robh  i  fo 
gheallaidh  posaidh  a  cheana.  Chaidh  a  ehuirm 
seachad,  agus  dh'  innseadh  do  a  h-athair  mar  a 
bha,  agus  bha  e  air  a  mhaslachadh,  agus  aon 
nighean  a  chridhe  is  a  ghaoil  fo  ghealladh 
posaidh  aig  diol-deirce.  Ach  theireadh  Mairi  ; 
Athair  ghradhaich  chi  sibhse  gu'm  bi  a  chuis 
ceart  gu  leor  an  ceann  na  bliadhna. 

Thainig  an  latha  agus  moch  'sa  mhaduinn 
thoisich  Mairi  air  i-fhein  a  sgeadachadh  'san 
deise  bu  riomhaiche  a  bh'  aice,  ann  am  fior 


thrusgan  bean-bainnse.  Agus  mu  mheadhon- 
la  bha  i  agus  siiil  a  mach  aice  ris  an  f  hear-nuadh- 
phosda,  agus  muinntir  eile  an  tighe  air  am 
maslachadh,  ag  amharc  ach  am  faiceadh  iad  an 
diol-deirce.  Air  bualadh  a  mheadhon-la  chunn- 
acas  moran  mharc-shluagh  a  tighinn  am  fianuis 
a  chaisteil  agus  an  uair  a  thainig  iad  chum 
ailean  air  beulaibh  an  doruis-mhoir  chaidh  iad 
*nan  da  shreath  fa  chomhair  an  doruis,  agus  iad 
uile  ann  an  trusganan  dealrach  maiseach,  agus 
aon  fhear  eireachdail  air  each  boidheach  geal, 
agus  crim  oir  air  a  cheann,  agus  trusgan  sgarlaid 
is  oir  uime.  Leum  e  bharr  an  eich,  agus  leum 
Mairi  'na  choinneamh  aig  an  dorus  agus  phog 
e  i.  Co  bha  an  so  ach  Mac  an  Righ.  Is  maith 
a  dh'  aithnich  Mairi  e  o  chionn  bhadhna  air  ais 
ged  a  bha  e  an  riochd  diol-deirce.  So  mo 
cheann-teagasg,  arsa  Maighstir  Lachaimi  : 
"  Feuch  tha  mi  am'  sheasamh  aig  an  dorus  agus 
a'  bualadh  :  ma  dh'  eisdeas  mach  sam  hith  ri  m' 
ghuth,  agus  gum  fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a 
steach  d'a  ionnsuidh,  agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir 
maille  ris  agus  esan  maille  rium-sa." 

Tha  e  air  a  radh  nach  robh  iomadh  suil  tioram 
'san  eisdeachd,  agus  gu'n  ghabh  moran  ri  Mac 
an  Righ  mar  fhear  an  graidh  agus  fo  gheallaidh 
posaidh.  Gabh  thusa  ris  cuideachd,  a  charaid, 
tha  coir  aige  ort,  buinidh  tu  dha-fhein.  Ged 
a  tha  e  an  riochd  diol-deirce,  air  a  dhimeas  agus 
air  a  chur  air  chlil  le  daoine,  air  a  bhruthadh 
airson  ar  n-aingidheachd,  air  chor  is  gu  bheil  e 
ag  cur  feum  air  an  da  bhata,  is  Mac  an  Righ  e. 
Gabh  e,  gabh  e,  thoir  geallaidh  posaidh  dha  ; 
agus  thig  e  fhathast  air  do  thoir  agus  bithidh 
tu  maille  ris  gu  siorruidh. 


Anns  a'  Chathair 


B'  ABHAIST  do'n  Mhorair  Sands  a  bhi  ag 
radh  nach  do  rinn  ministear  riamh  ainm  dha 
fein  le  searmoin  ghoirid,  ach  air  a  shon  sin 
gu'm  b'  e  searmoin  ghoirid  a  tha  dhith  air 
daoine  an  diugh.  Chan  'eil  na  searmoin  aig  gin 
de  na  searmonaichean  mora  goirid,  Chalmers, 
Liddon,  Caird,  agus  an  seorsa  sin, — ghabhadh 
iad  uile  an  liine  fein,  uair  an  uaireadair  co  dhiu. 
Tha  fasain  ann  an  searmonachadh  cho  maith 
's  a  tha  fasain  ann  an  nithean  eile  ;  b'e  sud 
am  fasan  anns  na  seann  laithean,  is  bha  na 
searmonaichean  beaga  tioram  'g  a  leantuinn 
cho  maith  ris  an  fheadhainn  mhora.  Na  'n 
robh  Chalmers,  is  Liddon,  is  Caird,  anns  an 
t-saoghal  an  diugh  dheanadh  iad  mar  tha  sinn 
uile  a'  deanamh  ;  ghiorraicheadh  iad  an  sear- 
moin. 

B'  ann  o'n  fhear  nach  maireann,  Iain  Mac 
Gilleathain,  a  bha  ann  an  Tairbeart  na  h-Earadh 
a  chuala  mi  na  searmoin  a  b'  fhaide  a  chuala 
mi  riamh.  Iomadh  \k  leanadh  e  air  uair  gu 
leth,  ach  cha  b'  urrainn  duine  air  bith  a  radh 


gu  robh  e  sgitheil  a  bhi  ag  Eisdeachd  ris. 
Bha  salann  'n  a  theagasg  agus  cuimse  'n  a 
fhacal  nach  leigeadh  le  daoine  cadal  mur  robh 
iad  cadalach  gu  nadurra  'n  an  inntinn.  Ach 
cha  bhiodh  e  a'  searmonachadh  no  a'  teagasg 
as  a'  Bhiobull  fad  na  h-iiine  ;  bhiodh  e  a' 
toirt  a  steach  d'a  shearmoin  iomadh  rud 
neonach  air  an  toireadh  e  binn  is  buille  anns  an 
dol  seachad.  An  la  a  bhiodh  e  ann  am  fonn 
maith,  gun  dad  a'  cur  dragh  air,  agus  a  thoisi- 
cheadh  e  air  labhairt  mu  Phearsa  Chriosd,  no 
mu  smuaintean  Phoil  a  thaobh  diomhaireachd 
na  Diadhachd,  chan  f  hasainn  sgith  ged  leanadh 
e  air  gu  dol  fodha  na  greine.  Ach  uairean 
eile,  mur  robh  e  air  dealbh,  cha  bu  mhisd  a 
shearmoin  iad  a  bhi  air  an  giorrachadh. 

Cridhe  na  cuise 

An  uair  a  tha  daoine  dol  do'n  eaglais  air  an 

t-Sabaid  tha  iad  a'  dol  innte  (1)  a  dh'  aideach- 

adh    ainm    naomh    an    Tighearn    am    fianuis 

an  t-saoghailj  agus  a  dheanamh  aoraidh  dha, 


6 


ANNS  A^  CHATHAIR 


agiis  (2)  a  dh'  fhaotainn  soluis,  is  neart,  is 
comhfhurtachd,  is  iirachadh  d'  an  cridheachan 
o  Fhacal  an  Tighearna.  A  thaobh  a'  cheud 
aobhair  sin  chan  'eil  e  gu  miighadh  gu  de  cho 
fada  's  a  chumar  a  stigh  iad,  ma  rinn  iad  aoradh 
do  Dhia  an  spiorad  agus  am  firinn,  agus  a 
thaobh  an  dara  aobhair  faodaidh  searmon 
goirid  simphdh  a  tha  air  a  labhairt  le  duine 
gradhach  tuigseach  o  fhiosrachadh  fein  barr- 
achd  maith  a  dheanamh  na  dheanadh  oraid 
fhada  fhileanta  mu  na  Sadusaich  no  na  Phairi- 
sich. 

Ach  tha  so  'g  am  thoirt  gu  cridhe  na  ciiise, 
nach  e  an  searmon  idir,  co  dhiu  a  tha  e  fada 
no  goirid,  an  rud  as  prionnspalaiche  anns  a' 
chiibaid  ach  an  duine.  Duine  a  bhios  a' 
bruidhinn  agus  gun  dad  aige  ri  radh,  no 
teachdaireaehd  ri  hubhairt,  ciod  a  tha  ann  ach 
umha  a  ni  fuaim  ?  Sgithichear  dheth  ged 
nach  labhradh  e  ach  fad  dheich  mionaidean, 
"  a'  dol  mu'n  cuairt  agus  mu'n  cuairt  air  tiir 
Shioin." 


Ged  nach  toigh  le  daoine  doighean  iira,  gu 
sonruichte  ann  an  nithean  a  bhuineas  do'n 
eaglais  no  do'n  chreideamh,  feumaidh  mi 
aideachadh  nach  e  cron  ach  maith  a  rinn  gach 
atharrachadh  a  thainig  air  aoradh  na  h-eaglais 
anns  a'  ghineal  so,  a  reir  mo  bheachd-sa  co  dhiii. 
Tha  e  ceart  gu'm  biodh  an  searmon  air  a 
ghiorrachadh  seach  mar  bha  e  anns  na  seann 
laithean,  ach  na's  fhearr  na  sin  air  fad,  tha  na 
h-iirnuighean  air  an  giorrachadh. 

Na  saoileadh  duine  air  bith  gur  rud  furasd  a 
tha  ann  do  mhinistear  iirnuighean  coimhthionail 
a  chur  an  lathair  Dhe,  oir  tha  an  dleasdanas  sin 
ag  iarraidh  gibhtean  inntinn,  agus  cridhe,  agus 
spioraid,  nach  f  haighear  gu  trie  comhla.  Tha  e 
ag  iarraidh  eagal  diadhaidh  agus  eolas  spioradail 
a  bhi  ann  an  anam  an  fhir  a  tha  ag  iirnuigh,  ach 
tha  e  ag  iarraidh  mar  an  ceudna  ordalachd  agus 
grinneas  a  bhi  'n  a  inntinn  los  gu'n  teid  aige  air 
briathran  soluimte  agus  freagarrach  a  thaghadh, 
gun  chearbaiche  a  mhilleadh  a  shaorsa  fein  no 
saorsa  a'  choimhthionail. 

Mu  leughadh  umuighean 
Bha  mise  air  mo  thogail  anns  a'  bheachd  nach 
'eil  e  ceart  do  mhinistear  iirnuigh  a  leughadh 
anns  a'  chiibaid,  no  eadhon  iirnuigh  ullachadh 
roimh  laimh,  agus  tha  cuimhne  agam  f  hathast, 
mar  gu'm  b'  ann  an  de  a  thachair  e,  an  uair  agus 
an  t-aite  anns  an  robh  saoghal  iir  air  f  hosgladh 
dhomh.  Bha  mi  ann  an  Eaglais-Ard  lonar-nis 
'n  am  bhalach.  Bha  duine  mor  eireachdail  anns 
a'  chiibaid,  duine  nach  b'  aithne  dhomh  aig  an 
am,  Iain  Mac  Leoid,  an  Govan,  brathair  do 
Thormod  a  bha  anns  an  Eaglais  Ard.  Bha  an 
duine  cho  mor  agus  cho  eireachdail,  agus  coltas 
pho  sbluimte  agus  cho  diadhaidh  air,  's  gu  robh 


fiughair  agam-sa  ri  nithean  domhain  agus 
tromadach  an  la  ud,  ach  'n  uair  a  thoisich  e  air 
iirnuigh  a  leughadh  is  ann  a  ghabh  mi  eagal 
gu'n  tuiteadh  ceann  na  h-eaglais  'n  a  broinn. 
Shaoil  mi  nach  robh  ann  ach  ministear  de'n 
Eaglais  Shasunnaich,  no  duine  truagh  air 
bheagan  thalantan  nach  b'  urrainn  iirnuigh  a 
dheanamh  as  a  sheasamh.  Ach  mar  chaidh  an 
duine  air  aghaidh  thoisich  mise  'n  am  chridhe 
fein  air  comh-fhreagradh  do'n  iirnuigh  a  bha  e 
a'  cur  suas  gus  mo  dheireadh  an  do  dhichuimh- 
nich  mi  gur  ann  'g  a  leughadh  a  bha  e.  B' 
fhearr  leam  i  na  na  h-iirnuighean  eile  air  an 
robh  mi  eolach.  Ach  cha  b'e  sin  uile  e  ;  thug 
Iain  Mac  Leoid  seachad  searmon  mor  driiidh- 
teach  an  la  ud  (dliith  air  uair  an  uaireadair, 
ma's  maith  mo  chuimhne)  gun  pkaipear.  Chuir 
na  chunnaic  agus  na  chuala  mi  an  la  ud  anns 
an  Eaglais  Ard  gu  smuaineachadh  mi  ;  an  uair 
a  chuala  mi  am  ministear  gasda  ud  a'  leughadh 
iirnuigh  nach  b'  f  haide  na  coig  mionaidean,  agus 
gun  e  a'  leughadh  a  shearmoin  a  bha  anabarrach 
fada,  thuig  mi  anns  a'  mhionaid  nach  b'e  cion 
comais  no  cion  spioradalachd  a  thug  air  sin  a 
dheanamh,  ack  aohhar  air  chor-eigin  eile. 

Comhairle  ghlic 

Ach  tha  leughadh  iirnuighean  cho  cumanta  a 
nis  ann  an  aoradh  na  h-eaglais  's  nach  cuir  e 
uiread  ionghnaidh  air  a'  ghineil  oig  's  a  chuir 
e  orm-sa.  Chan  urrainnear  a'  cheist  so  a  chur 
an  dara  taobh  le  bhi  ag  radh,  gu  bheil  aon  doigh 
ceart  agus  an  doigh  eile  cearr.  Tha  gach  doigh 
ceart  a  tha  freagarrach  agus  a  chuidicheas  le 
daoine  aoradh  a  dheanamh  do  Dhia  gu  h-iriosal 
agus  gu  treibhdhireach.  Ann  an  eaglaisean 
mora  far  a  bheil  diimhlachd  sluaigh  de  gach 
aois  agus  de  gach  sebrsa,  agus  far  a  bheil  an 
dara  leth  dhiubh  cho  fada  air  falbh  o'n  mhin- 
istear 's  nach  fhaic  e  an  siiilean,  tha  mi  an  diiil 
gu'm  biodh  e  freagarrach,  an  da  chuid  do'n 
mhinistear  agus  do'n  choimhthional,  na 
h-iirnuighean  a  bhi  air  an  leughadh.  Theagamh 
gu'n  rachadh  aig  loseph  Parker,  no  aig  Tearlach 
Spurgeon,  no  aig  Lloyd  George,  air  bruidhinn  as 
an  seasamh  ann  an  aite  mor  de'n  t-seorsa  sin 
ach  cha  rachadh  aig  ministearan  anns  a' 
chumantas  air  a  dheanamh.  Ach  ann  an 
eaglaisean  beaga,  far  nach  'eil  cruinn  ach 
grunnan  beag  dhaoine  mar  gu'm  biodh  teagh- 
lach  cruinn  aig  aoradh-teaghlaich,  tha  e  iom- 
chuidh  agus  buannachdail  gu'n  deanadh 
aodhairean  choimhthionailean  iirnuigh  as  an 
seasamh,  a  reir  mar  bheir  Dia  saorsa  dhaibh. 

Ach  CO  dhiubh  a  tha  iirnuighean  na  h-eaglais 
air  an  leughadh  no  nach  'eil  tha  e  ceart  gu'm 
biodh  iad  air  an  ullachadh  roimh  laimh.  Tha 
cuimhne  agam  gu'm  bitheadh  an  t-Ollamh 
mor-mor,  Raibeart  FUnt,  ag  iarraidh  oirnn  sin  a 
dheanamh,  agus  ag  iarraidh  oirnn  an  tuilleadh 
iiine  a  chur  seachad  ag  ullachadh  ar  n-iirnuigh- 


ANNS  A'  CHATHAIR— AlG  AN  UINNElG 


ean  na  chuireamaid  seachad  ^ag  ullachadh 
shearmen.  Anns  a'  Ghaidhealtachd  uair-eigin 
de'n  t-saoghal  (is  theagamh  am  diugh  fhathast) 
bhatar  an  diiil  nach  robh  feum  aig  ministear  air 
a  bhi  ag  ullachadh  idir ;  gu'n  toireadh  an  Spiorad 
Naomh  (ma  bha  e  air  ungadh  leis)  teanga  agus 
teachdaireachd  dha  'nuair  a  sheasadh  e  air 
beulaibh  an  t-sluaigh.  B'e  am  beachd  sin  a  bu 
choireach  gu  robh  faoineas,  agus  ruaipearachd, 
agus  bumalaireachd,  air  an  ceadachadh  anns  an 
eaglais  anns  na  seann  laithean  nach  ceadaichear 
innte  an  diugh.  Gheibheadh  ministearan  eis- 
deachd  aon  uair  ged  nach  robh  smod  tiiir  annta, 
ach  gu  fortanach  chan  eisdear  riu  le  faighidinn 
an  diugh  mur  bheil  coslas  a'  cheartais  agus 
dreach  na  firinn  air  an  seanchas. 

Umuighean  fada 

Ann  an  seirbhisean  na  h-eaglais  anns  a' 
Ghaidhealtachd  bha  a'  cheud  iirnuigh  daonnan 
ro  fhada  agus  ro  sgaoilte.  Chuala  mise 
ministear  ag  urnuigh  coig  mionaidean  fichead. 
An  uair  a  thoisich  e  dh'  eirich  an  coimhthional 
uile  'n  an  seasamh,  ach  bha  iad  a'  suidhe,  aon 
as  deidh  aoin,  gus  mu  dheireadh  nach  robh  'n 


an  seasamh  ach  mu  leth-dusan  'n  uair  a  chrioch- 
naich  e.  Anns  a'  chuid  mhor  a  dh'  eaglaisean 
bha  a'  cheud  urnuigh  a'  marsainn  o  cheathramh 
na  h-uarach  gu  fichead  mionaid,  is  bha  iomadh 
rud  eile  innte  a  thuilleadh  air  moladh  agus 
buidheachas  agus  athchuinge,  nithean  neonach 
air  nach  tig  mise  thairis  air  an  duilleig  so. 

Ach  tha  doighean  as  fhearr  againn  an  diugh, 
an  aite  aire  dhaoine  a  sgaoileadh  thairis  air 
fichead  cuspair  thatar  a'  feuchainn  ri  'n  aire  a 
shocruchadh  gu  teann  air  aon  ni,  agus  aon 
smuain,  agus  aon  fhaireachduin  a  dhiisgadh  'n 
an  cridhe.  Mar  sin  tha  cbig  mionaidean  fada 
gu  leoir  a  dheanamh  urnuigh.  An  aite  aon 
iirnuigh  a  mhaireas  deich  mionaidean,  b'  fhearr 
dhuit  an  iiine  a  roinn,  agus  da  iirnuigh  a 
dheanamh  fad  choig  mionaidean. 

Ged  nach  bu  mhaith  leam  dol  an  aghaidh 
gliocas  agus  cleachdaidhean  nan  aithrichean 
bithidh  e  uairean  a'  tighinn  'n  am  inntinn  gu 
bheil  an  searmon  air  a  chur  anns  an  aite  chearr 
ann  an  seirbhisean  na  h-eaglais,  agus  gu'm 
faodadh  e  bhi  air  a  chur  air  thoiseach,  an  drasd 
's  a  ris  co  dhiu.  Ach  sin  gnothuch  nach  toisich 
mi  air  fhosgladh  anns  an  aireamh  so. 


Aig  an  Uinneig 


Ar  cainnt  agus  ar  duthaich 

M'  an  ruig  na  duilleagan  so  ar  luchd-leugh- 
aidh  bithidh  am  Mod  seachad  bliadhna 
eile,  agus  an  seanchas  a  tha  daonnan  ag 
eirigh  aig  a'  Choinneamh  Bhliadhnail  mu  chor 
na  GMdhlig.  Thatar  daonnan  a'  faotainn 
coire  do  chinn  a'  Chomuinn  a  chionn  nach  'eil 
adhartas  air  a  dheanamh  anns  a'  chainnt  mar 
tha  air  a  dheanamh  anns  a'  cheol.  Ach  ciod 
is  urrainn  cinn  a'  Chomuinn  a  dheanamh  nach 
'eil  iad  a  deanamh  cheana  ?  Chan  ann  aca- 
san  a  tha  a'  choire  ;  ma  tha  a'  Ghaidhlig  a' 
dol  d  cleachdadh,  chan  ann  a  chionn  nach  'eil 
muinntir  a'  Chomuinn  a'  deanamh  an  dichill 
air  a  cumail  beo. 

Is  e  an  fhior  aobhar,  gu  bheil  a'  Bheurla 
eho  goireasach  agus  cho  laidir  's  nach  'eil  e 
furasda  do  chanain  eile  a  bhi  beo  ri  taobh. 
Ma  bheir  thu  an  aire  ciod  a  thachras  an  uair  a 
choinnicheas  dithis  no  triiiir  de  Ghaidheil  an 
^ite  air  bith,  cluinnidh  tu  iad  daonnan  a' 
bruidhinn  GaidhUg  an  toiseach,  "  Ciamar  a 
tha  bhean  ?  "  "  Nach  b'e  so  an  t-sid !  " 
"  Ciamar  a  tha  dol  leat  ?  ",  ach  a  cheart  cho 
luath  's  a  shuidheas  iad  gu  seanchas  grunndail 
agus  ceart  a  dheanamh  toisichidh  iad  air  a' 
Bheurla,  ged  tha  gaol  gu  leor  aca  air  an  diith- 
aich  agus  air  an  canain.  Agus  is  e  an  t- 
aobhar  gu'n  dean  iad  sin,  nach  'eil  e  furasda 
an  diugh  seanchas  no  sgriobhadh  a  dheanamh 
ann  an  Gkidhlig  gun  an  dara  leth  dheth  a  bhi 
'n  a  Bheurla.     Ghabhadh  so  leasachadh,  ann 


an  tomhas  co  dhiii,  na'n  gabhadh  daoine  dragh 
agus  saothair  ris,  ach  sin  an  dearbh  rud  nach 
gabh  daoine  an  diugh,  dragh  agus  saothair. 
Bu  mhaith  leo  gu'n  gabhadh  daoine  eile  e, 
ach  cha  ghabh  iad  fein  e.  Ged  nach  do  rinn 
mise  6raid  no  othail  riamh  aig  Mod  tha  de 
ghaol  agam  air  a'  Ghaidhlig  's  gur  ann  innte  a 
bhios  mi  a'  bruadar.  Ach  tha  comharradh 
as  fhearr  na  sin  air  mo  ghaol  dhi,  bithidh  mi 
a'. feuchainn  ri  h-ionnsachadh  do  dhaoine  eile. 
Bha  class  agam  iomadh  uair  air  son  dhaoine 
oga,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  sguireamaid 
de  'n  fhaoineas  bheag  laghach  leis  am  biodh 
an  class  air  a  chur  air  bonn,  's  a  thoischinn  air 
ohair  a  chur  orra,  thigeadh  cnatan,  no  deideadh, 
no  rud-eigin  eile,  orra,  aon  mu  seach,  gus  mu 
dheireadh  nach  biodh  duine  anns  a'  chlass  ach 
aon  no  dh^  d'  am  b'  aithne  Gaidhlig  a  leughadh 
cheana.  Cha  bhi  adhartas  air  a'  Ghaidhlig 
gun  saothair  no  gun  dragh. 

Cor  na  Gaidhealtachd 

Tha  Commission  iir  air  a  chur  air  chois,  a 
dh'  fheuchainn  ciod  a  ghabhas  deanamh  air  son 
na  Gaidhealtachd.  Gu  ma  maith  a  theid  dha, 
agus  leis  gach  duine  no  Comunn  eile  a  tha  feuch- 
ainn ris  a'  Ghaidhealtachd  a  chumail  o 
dhol  fas.  Ach  feumar  a  chuimhneachadh 
nach  'eil  leigheas  air  cor  na  Gaidhealtachd 
an  diugh  ach  ohair,  a'  cheart  leigheas  a  tha  air 
cor  ar  canain.  Chan  'eil  bochdainn  anns  a' 
Ghaidhealtachd   an   diugh  ;    cha   robh   daoine 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


rianih  cho  maith  air  an  doigh  's  a  tha  iad  ; 
cha  mho  a  bha  e  riamh  cho  furasd  dhaibh 
fearann  fhaotainn.  Ach  tha  d^  ni  cearr  (ma 
tha  iad  cearr)  nach  'eil  fhios  agam-sa  ciamar 
a  ghabhas  iad  cur  ceart,  nach  'eil  daoine  air 
son  clann  a  bhi  aca,  agus  nach  'eil  iad  air  son 
oibreachadh  air  an  fhearann.  Sin  agad  cridhe 
na  cuise,  agus  mur  bheil  innleachd  agad  air 
an  da  cheist  sin  fhuasgladh  bu  cho  maith  dhuit 
a  bhi  'n  ad  thosd, — ciamar  a  theid  agad  air  toirt 
air  daoine  clann  a  bhi  aca  mur  bheil  iad  air 
a  shon,  agus  ciamar  a  theid  agad  air  an  cumail 
air  croit,  ma's  fhearr  leo  a  bhi  as  a  h-eugmhais. 

Chan  'eil  duine  an  diugh  ann  an  Adholl  a 
bheireadh  taing  dhuit  air  son  croit  a  thairgsinn 
dha,  ged  bha  athair  agus  a  sheanair  'g  an 
cunntas  fein  sona  croit  a  bhi  aca.  An  uair  a 
bhios  te  mu  reir  feumar  a  cur  ri  te  eile  a  chionn 
nach  'eil  duine  ann  a  ghabhas  i.  Ach  air  a 
shon  sin  tha  daoine  oga  laidir  ann  an  Adholl 
a  tha  faotainn  Deirce  fad  iiine  shonruichte  a 
h-uile  bhadhna,  ach  ma  tha,  cha  ghabhadh  is 
chan  oibricheadh  iad  croit.  Chan  'eil  air  a' 
chroit  ach  obair  is  saothair  o  mhoch  gu  dubh, 
agus  beagan  air  a  shon,  agus  cha  striochd  an 
oigridh  iad  fein  rithe,  an  uair  a  tha  iad  a' 
faicinn  an  comh-aoisean  agus  obair  ghlan  aca, 
agus  tuarasdal  maith,  agus  uairean  goirid. 
Ciod  an  leigheas  air  sin  ? 

A  bheil  eilean  anns  an  aird  an  lar  as 
ion-mhiannaichte  do  dhuine  a  chomhnuidh  a 
bhi  ann  na  eilean  I  Chaluim-cille ;  fearann 
maith ;  sid  bhlath  ;  cladaichean  seasgar  ; 
an  fheamainn  a  leasaicheas  am  buntata  air  a 
tilgeil  le  Neptune  anns  a'  gheamhradh  aig 
ceann  an  iomaire,  agus  an  t-iasg  a  ni  annlann 
do'n  bhuntata  sin  anns  an  fhoghar  a'  snamh 
air  tir  eadar  na  sreathan  ;  sgaoth  Shasunnach 
anns  an  t-samhradh  a  phaigheas  dhaibh  na's 
fhearr  na  gamhna  no  laoigh,  ach  a  dh' 
aindeoin  nan  cothroman  sin  uile,  tha  iad  ag 
innseadh  dhomhsa  nach  'eil  aig  muinntir  I 
eatorra  ach  triuir  no  cheathrar  de  chloinn  anns 
an  sgoil,  agus  gur  e  BeurlS  as  trice  a  tha  air 
a  searmonachadh  anns  an  eaglais.  Ma's 
aithne  do  dhaoine  eile  leigheas  air  a  shon  so 
chan  aithne  dhomhsa  e. 

Biobull  ur 

Tha  leabhar  iir  a'  tighinn  a  mach  gu  goirid  (mur 
tainig  e  a  mach  cheana),  an  Tiomnadh  Nuadh  leis 
a'  Bheurla  agus  a'  Ghaidhlig  mu  choinneamh  a 
cheile  air  an  aon  duilleig.  Bithidh  an  leabhar 
so  anabarrach  feumail  do  dhaoine  a  tha  ag 
ionnsachadh  Gaidhlig.  Chan  'eil  doigh  as 
fhearr  air  GaidhUg  ionnsachadh,  a  mach  o  dhol 
a  chomhnuidh  do  Bharraidh,  na  bhi  leughadh 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  anns  an  da  chanain,  A 
thuilleadh  air  an  Tiomnadh  Nuadh  tha  na  Sailm 
agus  na  Laoidhean  ri  fhaotainn  anns  an  leabhar 
so,  an  Gaidhlig  agus  am  Beurla,  taobh  ri  taobh. 


Urram  d'  an  dlighear  urram,  agus  buidheachas 
dhasan  a  chuir  ceann  anns  an  obair  so,  an  t- 
Ollamh  G.  A.  Frank  Knight,  an  t-ard-chleireach 
aig  Comunn  Naisinneach  a'  Bhiobuill  an  Alba, 
an  Comunn  a  tha  a'  cur  a  mach  an  leabhair  agus 
a'  paigheadh  air  a  shon.  Bho  chionn  bhUadh- 
nachan  thainig  e  'n  a  cheann  gu'm  bitheadh  a 
leithid  so  de  leabhar  feumail  do  mhoran  dhaoine, 
chan  ann  a  mhain  anns  an  diithaich  so  ach  ann 
an  Canada,  an  AstraUa,  an  Nova  Scotia,  an 
America,  agus  an  cearnaibh  eile  ;  chuir  e  a 
chomhairle  ri  daoine  an  sid  agus  an  so  a  bha  e  an 
diiil  a  chuidicheadh  e,  agus  gus  naidheachd 
ghoirid  a  dheanamh,  thilg  e  as  an  rathad  gach 
duilgheadas  a  thachair  air,  is  tha  an  leabhar  a 
nis  deas,  no  air  bheul  a  bhith. 

Chan  'eil  e  a'  cosd  ach  tri  is  se  sgilUnn,  ach 
ma  bu  mhaith  leat  fhaotainn  ann  an  deise 
riomhaich  gheibh  thu  e  air  a  chomhdach  le 
leathar  aig  prisean  eile,  suas  gu  coig  tasdain 
deug.  Ma  thoisicheas  luchd-riaghlaidh  nan 
sgoilean  air.  uisneachadh  anns  na  sgoilean 
theagamh  gu'n  toir  Comunn  a'  Bhiobuill  an 
leabhar  dhaibh  na's  saoire,  air  leth-chrun. 

Cha  do  rinneadh  atharrachadh  air  bith  air  a' 
Ghaidhlig  seach  mar  gheibhear  i  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh  as  aithne  dhuinn  cheana,  ach 
air  eagal  gu'm  biodh  mearachdan  anns  a'  chlo 
sheall  an  t-OUamh  D.  J.  Mac  Leoid,  an  lonar- 
nis,  gu  ctiramach  thairis  air  a  h-uile  facal  anns 
an  leabhar,  agus  is  leor  sin  mar  bharantas 
gu  bheil  a'  chuid  sin  ceart. 

Facail  Bheurla 

Anns  gach  aite  anns  an  coinnich  clann  nan 
Gaidheal,  luath  no  ntiall,  togar  a'  cheist,  a  bheil  e 
ceart  facail  Bheurla  a  chleachdadh  ann  am 
bruidhinn  no  ann  an  sgi'iobhadh  na  Gaidhlig. 
Air  a'  chuis  sin  tha  daoine  air  an  roinn  mar  tha 
iad  air  an  roinn  ann  an  ciiisean  eile,  fear  'n  a 
Thoraidh  is  fear  eile  'n  a  Bholshevic.  Tha  an 
Toraidh  a'  creidsinn  boilich  a'  bhaird  a  thubhairt, 

Chan  iarr  i  iasad  air  canain 

Is  hheir  i  fein  do  chach  am  pailieas, 

agus  mar  sin  cha  toigh  leis  a'  Ghaidhlig  a 
thruailleadh  le  facail  Bheurla.  Tha  am  Bol- 
shevic  cho  beag-narach  's  nach  'eil  ann  an  tri 
trianan  d'a  sheanchas  Gaidhlig  ach  facail 
Bheurla  air  an  ceangal  ri  cheile  le  agus,  agus  le 
ann,  agus  le  tha.  "  Tha  na  residenters  anns  a 
village  so  cho  mixed,  thug  an  railw^ay  ann  a 
leithid  de  characters ;  good,  bad,  agus  in- 
different." 

Ach  faodaidh  daoine  reusonta  an  aite- 
seasaimh  a  ghabhail  eadar  cumhannachd  an 
Toraidh  agus  sgleapaireachd  a'  Bholshevic. 
Tha  mise  a'  sgriobhadh  Gaidhlig  o  chionn  deich 
bliadhna  fichead,  is  theirinn  so  ri  sgoil earan  oga 
a  tha  toiseachadh  air  a  sgriobhadh. 
{Re  leantuinn) 


Aireamh  12 


93 


Aonadh  ri  Criosd 


Fanaihh  annam-sa,  agus  mise  annaibh-se. — Eoin  xv.  4. 


GED  tha  na  Sgriobturan  uile  tarbhach  chum 
teagaisg  agus  chum  oilein  ann  am.  firean- 
tachd  tha  earrannan  de  na  Sgriobturan  na's 
f  hearr  na  earrannan  eile.  Fhuair  na  caibidealan 
so  de  shoisgeul  Eoin  aite  ann  an  cridheachan 
chreidmheach  nach  d'  fhuair  moran  eile  de'n 
Bhiobull.  Chan'eil  sin  'na  ionghnadh,  oir  bha 
iad  air  an  labhairt  le  Slanuighear  an  t-saoghail 
aig  an  am  a  bu  sholuimte  'na  bheatha,  an  uair  a 
bha  e  a'  dol  an  coinneamh  fulangas  a'  chroinn- 
cheusaidh. 

Bha  fhios  aig  Criosd  nach  b'  fhada  an  iiine 
gus  am  bitheadh  e  air  a  thoirt  thairis  do  lamhan 
a  naimhdean,  ach  cha  do  mhill  sin  an  t-sith  a 
bha  'n  a  chridhe,  is  chuir  e  seachad  na  h-uairean 
deireannach  a'  teagasg  nan  abstol  agus  'g  am 
misneachadh  le  briathran  cho  ciiiin  agus  cho 
domhain  agus  cho  brioghmhor  's  gu  bheil  iad 
'n  an  aran  beatha  do'n  t-saoghal  gus  an  diugh. 
Ged  nach  deanadh  an  t-abstol  Eoin  seirbhis  eile 
do'n  eaglais  ach  na  briathran  sin  a  ghleidheadh 
air  chuimhne  bhiodh  i  'n  a  chomain  gu  brath. 
Chtim  e  comhradh  deireannach  a  Mhaighstir  air 
chuimhne  na  b'  fhearr  na  chum  each,  agus  ann 
an  deireadh  a  laithean,  fo  sheoladh  an  Spioraid 
Naoimh,  sgriobh  e  anns  an  leabhar  so  e,  chum 
buannachd  nan  linntean  a  thigeadh  'n  a 
dheidh. 

Diomhaireachd  spioradail 

Am  measg  nithean  eile  a  thubhairt  Criosd  ris 
na  h-abstoil  aig  an  am  ud  tha  Eoin  ag  innseadh 
gu'n  do  labhair  e  mu'n  aonadh  a  bha  eadar  e 
fein  agus  iadsan,  aonadh  nach  b'  urrainn  am  bas 
a  bhriseadh.  "  Fanaibh  annam-sa,  agus  mise 
annaibh-se  ;  is  mise  anfhionain,  sibhse  nageugan  ; 
mise  annta-san,  agus  thusa  annam-sa,  chum  gu'n 
deanar  coimhliotita  iad  ann  an  aon." 

Fhuair  an  smuain  so  (an  aonachd  a  tha  eadar 
Criosd  agus  a  shluagh)  greim  cho  laidir  air 
inntinn  an  abstoil  Eoin  's  gu  bheil  e  a'  tighinn 
thairis  oirre  an  drasd  's  a  ris  anns  a  h-uile 
leabhar  no  litir  a  sgriobh  e,  mar  gu'm  biodh  e 
a'  faotainn  solas  gun  sgur  ann  a  bhi  meomh- 
rachadh  air  an  diomhaireachd  spioradail  so, 
an  daimh  a  tha  eadar  Criosd  agus  an  eagfais. 
Anns  a'  cheud  litir  a  sgriobh  e  tachraidh  an 
smuain  so  ort  anns  a  h-uile  caibideal,  "  An  ti  a 
choimheadas  aitheanta-sa  tha  e  a'  gabhail  cbmh- 
nuidh  ann,  agus  esa?i  ann- s an  :  agus  le  so  is 
aithne  dhuinn  gu  bheil  esan  a'  fuireach  annainji, 
o'n  Spiorad  a  thug  e  dhuinn. 


Chan  'eil  Eoin  'na  aonar  ann  a  bhi  a'  teagasg 
gu  bheil  an  t-aonadh  dliith  so  eadar  Criosd  agus 
a  shluagh.  Ann  an  iomadh  doigh  bha  Pol  agus 
Eoin  gle  eu-coltach  ri  cheile,  ach  air  a'  chuis  so 
tha  iad  a'  labhairt  le  aon  ghuth  ;  tha  Pol  a' 
toirt  na  fianuis  cheudna  mu'n  cheangal  a  tha 
eadar  Criosd  agus  a  shluagh,  eadar  an  eaglais 
agus  Ceann  na  h-eaglais.  "  Nach  'eil  fhios 
agaibh,"  ars'  esan  ris  na  Corintianaich,  "  gur 
sibh  teampull  Dhe  agus  gu  bheil  Spiorad  Dhe 
'na  chomhnuidh  annaibh."  "  Cha  mhise,"  ars' 
esan  ris  na  Galatianaich,  "  a  tha  beo  ach  Criosd 
a  tha  beo  annam."  "  Tha  ar  beatha  foluichte 
ann  an  Criosd."  "  Criosd  annaibh,  dochas  na 
gloire." 

Ged  bha  Eoin  agus  Pol  fada  bho  cheile  'n  an 
gne  agus  'n  an  oilean  tha  iad  a'  cordadh  mu'n 
teagasg  so  a  chionn  gu'n  d'  61  iad  as  an  aon 
tobar,  agus  gu'n  robh  iad  air  an  soillseachadh 
leis  an  aon  solus.  B'e  an  tobar  sin  Criosd,  agus 
b'  e  an  solus  an  solus  a  thainig  o'  n  airde. 

Tri  samhlaidhean 

I.  Tha  tri  samhlaidhean  air  an  cleachdadh 
anns  a'  Bhiobull  a  tha  cur  soluis  air  an  aonadh 
a  tha  eadar  Criosd  agus  creidmhich.— 

An  fhionain  agus  na  geugan 
An  corp  agus  na  buill 
Ceangal  a'  phosaidh 

Mar  tha  beatha  agus  siigh  an  fhionain  ag  eirigh 
agus  a'  sgaoileadh  gu  reidh  samhach  a  dh' 
ionnsuidh  geugan  is  gucagan  is  duilleach  na 
craoibhe,  mar  sin  tha  beatha  agus  cumhachd 
Chriosd  ag  oibreachadh  anns  na  daoine  a  tha 
air  an  aonadh  ris  le  creideamh  beo.  Tha 
Pol  daonnan  a'  teagasg  gur  e  creideamh  a 
bhann-aonaidh  eadar  Criosd  agus  an  t-anam  ; 
"  ionnus,"  ars  esan,  gu'n  gabh  Criosd  comh- 
nuidh  annaibh  tre  chreideamh."  Mar  tha  moran 
bhall  anns  a'  chorp,  cnamhan  agus  feithean 
agus  uilt,  agus  iad  uile  ag  oibreachadh  gu  reidh 
oi'dail  a  chionn  gu  bheil  an  aon  bheatha  annta, 
mar  sin  tha  an  eaglais,  oir  is  e  an  eaglais  corp 
Chriosd.  Agus  is  e  Ci'iosd  ceann  na  h-eaglais 
"  o'm  bheil  an  coi'p  uile,  air  a  cheangal  gu  ceart, 
agus  air  a  dhliithachadh  tre  an  ni  sin  a  tha  gach 
alt  a'  toirt  uaith,  a'  faghail  fas  cuirp,  chum  gu'm 
fas  sinn  suas  anns  na  h-uile  nithibh  chuige-san." 
Tha  ceangal  a'  phosaidh  mar  an  ceudna  'n  a 
shamhladh  air  a  cheangal  dhliith  agus  dhiomh- 
air    a     tha     eadar    Criosd     agus    a     shluagh. 


s 


AONADH  RI  CRIOSD 


"  Bithidh  an  dithis  'n  an  aon  fheoil."  Cha  d' 
thug  duine  air  bith  riamh  fuath  d'a  fheoil  fein, 
ach  altrumaidh  agus  eiridnidh  e  i,  eadhon  mar 
tha  an  Tighearn  a'  deanamh  ris  an  eaglais. 
Mar  tha  fear  agus  bean  'n  an  aon  fo  chumhachd 
graidh,  mar  sin  tha  Criosd  agus  creidmhich. 

Chan  'ail  anns  na  samhlaidhean  sin  ach 
oidhirpean  air  cainnt  a  chur  air  fiosrachadh 
anama  a  tha  cho  diomhair  ris  a'  ghaoith  no  ri 
anail  na  beatha,  agus  ciod  is  diomhaire  na 
gaoth  agus  na  beatha  ?  Ach  ged  tha  e  diomh- 
air tha  am  fiosrachadh  so  an  da  chuid  cho 
cinnteach  agus  cho  beannaichte  's  nach  'eil  ni 
eile  air  an  t-saoghal  na's  cinntiche  no  na's 
beannaichte  na  e. 

Tha  an  daimh  a  tha  eadar  Criosd  agus  a 
shluagh  duilich  innseadh  ann  an  aon  fhacal. 
Tha  e  dhaibh  'na  Bhuachaille  ach  tha  e  'n  a  Chrb 
mar  an  ceudna.  Tha  e  'n  a  Sholus  a  dheanamh 
na  sHghe  dhaibh,  ach  is  e  fein  an  t-Slighe  gu 
Dia.  Tha  esan  air  neamh  agus  iadsan  air 
thalamh  ach  tha  e  maille  riu  gu  brath.  Tha 
esan  annta-san  agus  iadsan  ann-san.  An  uair 
is  aithne  do  dhuine  'n  a  fhiosrachadh  fein  an 
t-aonadh  so  ri  Criosd,  cridhe  ri  cridhe,  spiorad 
ri  spiorad,  toil  ri  toil,  tha  a'  bheatha  mhaireann- 
ach  aige  anns  an  t-seagh  anns  a  bheil  an 
t-abstol  Eoin  a'  cleachdadh  an  fhacail  sin. 
Leis  a'  bheatha  mhaireannaich  cha  robh  Eoin 
a'  ciallachadh  beatha  gtin  chrioch,  no  a'  bheatha 
a  tha  feitheamh  oirnn  ann  an  neamh,  ach  a' 
bheatha  nuadh  agus  sholasach  a  tha  air  a 
cruthachadh  le  Dia  ann  an  creidmhich  anns  an 
t-saoghal  so  fein. 

Criosd  agus  Dia 

11,  Tha  Criosd  a'  teagasg  gu  bheil  creidmhich 
air  an  aonadh  ris-san  amhuil  a  ta  esan  air 
aonadh  ri  Dia  ;  is  e  sin  ri  radh,  gu  bheil  an 
daimh  a  tha  eadar  e  fein  agus  a  shluagh  de'n 
aon  ghne  ris  an  daimh  a  tha  eadar  e  fein  agus 
Dia.  Tha  esan  agus  an  t-Athair  'n  an  aon  a 
chionn  gum  bu  hhiadh  agus  gum  bu  dheoch  dha 
toil  an  Athar  a  dheanamh.  "  Cha  d'  thainig 
mi,"  ars'  esan,  "  a  dheanamh  mo  thoil  fein  ach 
toil  an  Ti  a  chuir  uaith  mi."  Rinn  e  daonnan  na 
nithean  a  b'aill  le  Athair,  agus  aig  crioch  a 
thuruis  air  thalamh  b'  urrainn  dha  a  radh, 
"  Ghloraich  mi  t'  ainm,  chriochnaich  mi  an  obair 
a  thug  thu  dhomh  ri  dheanamh."  Thug  e 
umhlachd  iomlan  do  thoil  Dhe  ;  bha  earbsa 
iomlan  aige  ann  an  Dia  agus  durachd  iomlan 
gu'm  bitheadh  riiintean  Dhe  air.  an  coimh- 
lionadh,  agus  mar  sin  bha  aonachd  bheann- 
aichte  eadar  e  fein  agus  Athair  neamhaidh 
nach  robh  riamh  air  a  briseadh.  Bha  iad  a  dh' 
aon  inntinn  agus  a  dh'  aon  chridhe.  Is  ann  air 
sin  a  bha  Criosd  a'  smuaineachadh  'nuair  a 
thubhairt  e  gu  robh  an  t-Athair  ann-san  agus 
esan  anns  an  Athair,  agus  chan  ann  idir  air  an 


daimh  a  tha  aig  pearsachan  glormhor  na 
Trianaid  ri  cheile.  Sin  cuspair  no  diomhair- 
eachd  air  nach  do  labhair  e  idir.  Ach  labhair  e 
air  a'  chordadh  iomlan  a  bha  eadar  a  thoil  fe^'n 
agus  toil  an  Athair ;  agus  a  chionn  gu  robh  an 
cordadh  moralta  agus  spioradail  so  eatorra 
thubhairt  e  gu  robh  e  fein  agus  Dia  'n  an  aon, 
an  t-Athair  annamsa  agus  mise  ann-san. 

Tha  so  fior  mar  an  ceudna  a  thaobh  Chriosd 
agus  chreidmheach.  Gus  am  bi  an  toil-san  air  a 
liibadh  ri  thoil-san  cha  bhi  eolas  no  fiosrachadh 
aca  air  an  aonadh  so  ri  Criosd  air  a  bheil  Eoin 
a'  labhairt,  an  t-aonadh  a  bha  co-ionnan  dha  ris 
a'  bheatha  mhaireannaich.  An  uair  a  tha 
creidmhich  a'  cur  an  toil,  agus  am  beachdan, 
agus  an  riiintean  fein,  an  aghaidh  toil  agus  facal 
Chriosd  tha  an  t-aonadh  eadar  iadsan  agus  esan 
air  a  bhriseadh.  Mur  dean  iad  a  thoil-san  chan 
'eil  iad  a'  fantuinn  ann.  "  M.a  choimheadas  sibh 
m' aitheanta,  fanaidh  sibh  ami  am  ghradh  mar  a 
choimhead  mise  aitheanta  m' athar  agus  a  tha  mi 
fantuinn  'na  ghradh. ' '  Ach  ged  tha  e  fior  gur  e 
iadsan  a  mhain  a  ni  toil  Chriosd  a  dh'  fhanas 
ann,  tha  e  fior  mar  an  ceudna  gur  e  iadsan  a  dh' 
fhanas  ann  as  urrainn  a  thoil  a  dheanamh.  Mar 
so  is  e  Criosd  an  da  chuid  a  bheatha  agus  an 
toradh. 

An  cridhe  glan 

III.  Cia  mar  a  ruigear  air  an  aonadh  thar- 
bhach  so  ?  Tha  Eoin  ag  radh  nach  ann  bho  ar 
taobh-ne  idir  a  tha  e  a'  toiseachadh  ach  bho 
thaobh  Chriosd.  "  Cha  sibhse  a  thagh  mise,  ach 
mise  a  thagh  sibhse,  agus  dh'  brduich  vii  sibh  chum 
gun  tugadh  sibh  a  mach  toradh."  Sin  aon 
taobh  de  'n  fhirinn  ach  tha  taobh  eile  oirre. 
Tha  e  fior  gur  ann  ann  an  cridhe  agus  ann  an  toil 
Dhe  a  tha  uile  obair  ghrais  a'  toiseachadh  an 
toiseach,  ach  feumaidh  ar  toil-ne  co-oibreachadh 
maille  ri  toil  Dhe.  Ged  is  e  a  ghradh  agus  a 
thruacantachd  fein  a  tha  toirt  air  Criosd  teachd 
do  ar  n-ionnsuidh  an  toiseach  chan  f  han  e  maille 
ruinn  mur  bheil  iarraidh  againn  air  a  shior 
lathaireachd,  iarraidh  na's  mo  na  tha  againn  air 
ni  eile  fo'n  ghrein.  Chan  fhan  e  maille  ruinn 
ma  tha  aoidhean  eile  'n  ar  cridheachan  ris  nach 
'eil  agus  nach  bi  gu  brath  cordadh  aige-san. 
An  cridhe  glan  agus  an  cridhe  naomh,  sin 
teampull  Dhe  ;  is  tha  an  teampull  naomh  a 
chionn  gu  bheil  Dia  ann. 

Gach  uair  a  chailleas  an  Criosduidh  am 
fiosrachadh  solasach  so  gu  bheil  Criosd  ann-san 
agus  esan  ann  an  Criosd  is  ann  aige  fein  a  tha  a' 
choire,  oir  tha  gealladh  Chriosd  seasmhach, 
"  Ma  ghradhaicheas  neach  mise,  gradhaichidh  m' 
athair  esa?i,  agus  thig  sinn  'g  a  ionnsuidh,  agus  ni  sinn 
ar  cbmhnuidh  maille  ris." 

Ciian  e  mo  mhiann  thu  thriall  air  falbh  gun  dail 
Mar  Jieach  air  chuairt,  ach  thu  bhi  gabhail  taimh 
Am  chuideachd  fein  a  Dhe  le  cairdeas  dluth 
A  chaoidh  nan  clan  nach  tr6ig,  fan  maille  ruinn. 


MODERATOR  NA  HATH  BHLIADHNA 


Moderator  na  h-ath  bhliadhna 


CHAN  e  mhain  gu  bheil  e  'n  a  thoileachadh 
d'a  chairdean  agus  d'a  bhraithrean  anns 
a'  mhinistrealachd  gu'n  do  chuireadh  urram 
m6r  air  an  OUamh  Diighall  Mac  Pharlain, 
ministear  Chinn-ghiiithsaich,  ach  tha  e  'n  a 
thoileachadh  do  mhunntir  na  Gaidhealtachd 
uile.  Is  mor  an  onoir  e  do  mhinistear  air  bith  a 
bhi  air  a  thaghadh  gu  bhi  'n  a  Cheann-suidhe 
anns  an  Ard  Sheanadh.  Ga  ma  maith  a 
mhealas  e  a  dhreuchd,  agus  gu  ma  maith  a  bhios 
a  shlainte  fo'n  uallach  throm  so  ! 

Tha  e  furasda  gu  leoir  dhomhsa  sgriobhadh 
niu  Dhughall  Mac  Pharlain  oir  tha  sinn  eolach 
air  a  cheile  o  chionn  iomadh  bUadhna  ;  coimh- 
earsnaich  an  da  chuid  a  thaobh  ar  n-araich 
agus  a  thaobh  ar  n-obair.  Ged  tha  na  Man- 
saichean  anns  a  bheil  esan  agus  mise  a'  comh- 
nuidh  ceithir  mile  deug  ar  f  hichead  o  cheile  tha 
Sgir  Bhlair  agus  sgir  Chinn-ghiiithsaich  a' 
bualadh  ri  cheile  anns  an  f  hrith  thall  aig  Gaig 
agus  Gleann  Feisidh. 

Thainig  am  Moderator  iir  o  stoc  maith 
Baisteach  ann  an  eilean  Thiriodh,  far  an  robh 
athair,  Donnchadh  Mac  Pharlain,  'n  a  mhinistear 
Baisteach  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha.  Bha 
dithis  de  bhraithrean-athar  'n  am  ministearan 
Baisteach  cuideachd,  agus  fear  eile  dhiubh, 
Rob  Mac  Pharlain,  'na  mhinistear  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba,  an  Gleann  Urchaidh. 

Bha  meas  mor  aig  muinntir  Thiriodh  air 
Donnchadh  Mac  Pharlain  mar  mhinistear  agus 
mar  shearmonaiche,  agus  cha  bu  lugha  am  ineas 
air  a  chionn  gu  robh  e  uasal  agns  flathail  'n  a 
choltas.  'Na  chainnt  agus  eadhon  'n  a  chois- 
eachd  bha  e  air  a  chomharrachadh  le  tromadas 
agus  soluimteachd  a  dhreuchd  ;  searmonaiche 
air  an  robh  meas  aig  muinntir  an  eilein  uile  a 
chionn  gu  robh  cumhachd  na  diadhaidheachd 
ann.  A  thaobh  moran  de  na  gibhtean  a  tha  aig 
an  Ollamh  Dughall  Mac  Pharlain,  gibhtean 
labhairt  agus  eud  soisgeulach,  faodar  a  radh  le 
firinn  nach  b'e  an  ceannach  a  rinn  e.  Thainig 
iad  air  o  dhtichas  athar. 


An  tri  sgirean 

Shaothraich  e  ann  an  tri  sgirean  uile  gu  leir, 
an  Gleann  Comhann,  an  Arrochar,  agus  an 
Cinn-ghiuthsaich,  ach  is  ann  bho  chaidh  e  do 
Chinn-ghiiithsaich  a  dh'  abuich  a  bhuadhan  gu 
ceart.  Bha  sgoil  mhaith  ann  an  Cinn-ghiuth- 
saich, sgoil  a  bha  air  a  h-altrum  gu  curamach 
leis  an  duine  ghlic  sin  a  bha  roimhe  anns  an 
sgireachd,  an  t-Ollamh  Coinneach  Mac  Coinnich, 
duine  a  tharruing  a  steach  do  Eaglais  na 
h-Alba   grunnan  maith   de   mhinistearan   cho 


maith  's  a  shaothraich  riamh  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd.  Bha  airgiod  air  a  chur  'n  a  laimh  gus 
na  balaich  oga  sin  a  chuideachadh  le  Comunn 
ris  an  abrar,  Sgoilean  Gaidhealach  nam  ban  agus 
Comunn  nam  bursaries  Ghaidhealach. 

An  uair  a  shiubhail  an  Dotair  Mac  Coinnich 
ghabh  Diighall  Mac  Pharlain  an  obair  sin  os 
laimh  ;  a'  misneachadh  agus  a'  cuideachadh 
bhalach  oga  a  bha  air  son  dol  do'n  Chollaist  'g  an 
ullachadh  fein  air  son  na  ministrealachd. 
Urram,  ma  ta,  d'  an  dlighear  urram  ;  chan  ann 
gun  saothair  no  gun  dragh  a  ghabhas  obair  de'n 
t-seorsa-  so  cur  air  aghaidh,  ach  cha  do  chaomh- 
ain  an  Dotair  Mac  Pharlain  e  fein  riamh  anns 
an  obair  so.  Theagamh  gu'm  bitheadh  e  air 
uairean  a'  faotainn  briseadh-diiil  ann  an  cuid  de 
na  balaich,  ealachan  a'  fas  'n  an  geoidh,  agus 
cuid  dhiubh  a'  tionndadh  air  falbh  o'n  eaglais  gu 
obair  air  chor-eigin  eile,  ach  air  a  shon  sin  tha 
moran  mhinistearan  oga  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  an  diugh  nach  bitheadh  anns  a' 
mhinistrealachd  idir  mur  bitheadh  gu  robh  an 
Dotair  Mac  Pharlain  agus  na  bursaries  ud  air  an 
ciil.  Uair  's  a'  bhliadhna  tha  e  a'  toirt  cunntais 
air  a  stiiibhardachd  aig  a'  Bhraiceas  Ghaidh- 
ealaich  an  Dun-eideann  aig  am  an  t-Seanaidh, 
cruinneachadh  cho  gasda  's  a  tha  ri  f  haicinn  fad 
na  h-iiine. 

Riaghladaireachd 

Bho  chionn  bhUadhnachan  tha  uiread  riagh- 
laidh  air  a  lamhan  's  nach  'eil  f  hios  agam  ciamar 
a  tha  e  a'  faotainn  iiine  air  na  nithean  eile  a  tha 
an  earbsa  ris  a  dheanamh ;  riaghladh  airgid, 
riaghladh  sgoilean,  riaghladh  oileanach,  riagh- 
ladh obair  na  h-eaglais,  ach  tha  e  easgaidh 
agus  laidir  agus  deas-bhriathrach,  gun  bhoinne 
leisge  'n  a  choluinn,  agus  chan  e  mhain  gu  bheil  e 
fritheilteach  agus  ciiramach  mu  obair  fein  ach 
tha  e  daonnan  deas  gu  dol  a  chuideachadh 
dhaoine  eile. 

Cha  robh  Moderator  Gaidhealach  againn  o 
chionn  coig  bliadhna  fichead  (cha  b'  ann  mar 
mhinistearan  Gaidhealach  a  bha  an  t-Ollamh 
Tormod  Mac  Gilleathain,  agus  an  t-Ollamh 
Lachlainn  Mac  Gilleathain  Watt  air  an  taghadh) 
ach  bho  na  chuir  an  eaglais  roimhpe  an  t-urram 
sin  a  thoirt  do  mhinistear  Gaidhealach  am 
bhadhna  cha  b'  urrainnear  fear  eile  fhaotainn  as 
fhearr  an  airidh  air  na  Diighall  Mac  Pharlain, 
duine  m'am  faodar  a  radh,  ann  am  briathran  air 
am  bu  choir  do  mhuinntir  na  h-eaglais  a  bhi 
eolach,  gu  bheil  e  taitneach  do  mhor-chuideachd  a 
bhraithreaii,  ag  iarraidh  maith  d'a  shluagh,  agus  a 
labhairt  sith  ris  na  h-uile. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  na  laithean  so  tha  balaich  agus  daoine 
-  oga  anabarrach  gaolach  air  cluh,  no  camp, 
no  sgoil-shamhraidh,  a  bhi  aca  dhaibh  fein. 
Chan  'eil  an  sin  ach  an  seann  cheilidh  ann  an 
doigh  iir.  Tha  miltean  de  chlubs  bhalach  anns 
na  bailtean-mora  a  bhios  a'  cruinneachadh  dha 
no  tri  dh'  uairean  anns  an  t-seachduin  fad  a' 
gheamhraidh,  agus  a  bhios  a'  dol  do  champ  a 
mach  air  an  diithaich  uair-eigin  anns  an  t-samh- 
radh.  Tha  am  fasan  so  air  sgaoileadh  am 
measg  chaileagan  agus  nigheanan  oga  cuid- 
lachd,  is  rainig  e  a  nis  cho  fada  siar  ri  Loch 
Obha,  far  a  bheil  Seorsa  Gallda  air  cheann  camp 
Gaidhealach.  Anns  an  t-samhradh  tha  an 
diithaich  so  breac  le  canabhas  geal  an  sud  agus 
an  so  air  achaidhean  ri  taobh  aibhnichean,  far  a 
bheil  Scouts,  no  Rovers,  no  Girl  Guides,  no 
cuideachd  Stanley  Nairne,  no  feadhainn  eile  de'n 
t-seorsa  sin,  a'  cur  seachad  laithean  sona  comhla. 

Tha  so  uile  maith  agus  ro  mhaith  ;  an  uair 
nach  'eil  dad  aig  oigridh  ri  dheanamh,  no  dad  a 
thairngeas  an  inntinn  agus  an  aire,  no  dad  air 
a  chur  romhpa  anns  an  gabh  iad  iiigh  agus 
tlachd,  tha  iad  titheach  air  fas  leasg  is  slaodach, 
no  air  toiseachadh  air  uipearachd,  no  eadhon  air 
cron.  A  dh'  aindeoin  na  bhios  na  diadhairean 
ag  radh  mu  thruaillidheachd  nadur  mhic  an 
duine  tha  e  a  cheart  cho  furasda  daoine  oga 
aomadh  gus  na  nithean  a  tha  glan  agus  ceart 
agus  uasal  's  a  tha  e  leigeil  leo  tuiteam  ann  am 
buaireadh  no  ann  an  droch  chleachdaidhean. 

Tha  e  'na  chuideachadh  mor,  ma  ta,  do'n 
eaglais  agus  do'n  obair  a  tha  an  eaglais  a' 
feuchainn  ri  dheanamh,  gu  bheil  moran  de 
dhaoine  (gillean  oga  gu  sonruichte)  anns  an 
diithaich  a  tha  gabhail  iiigh  ann  an  clubs 
bhalach  ;  'g  an  cur  fein  air  cheann  na  h-oigridh, 
agus  a'  feuchainn  ri  'n  cuideachadh,  chan  ann 
m'ar  thighearnan  no  mar  uachdarain  thairis  orra, 
ach  mar  chomp^naich  agus  mar  bhraithrean. 

Leabhar  iir 

Tha  aon  de  na  cluhs  so  an  ceangal  ri  eaglais  an 
Naoimh  Giles  an  Dim-eideann  air  a  bheil  duine 
6g  'n  a  cheann  agus  'n  a  bhuachaille,  Raonull 
Selby  Wright,  agus  is  e  a  thug  orm  tarruing  a 
thoirt  air  an  obair  so  idir  gu'n  do  chuir  Mghr 
Wright  a  mach  leabhar  o  chionn  ghoirid  a  bu 
mhaith  learn  ainmeachadh  do  luchd-leughaidh 
nan  duilleagan  so. 

Tha  na  balaich  aige  eadar  coig  bliadhna  deug 
agus  ochd  deug,  as  gach  seorsa  dachaidh  bhochd 
agus  ris  gach  seorsa  oibre  ;  cuid  dhiubh  ag 
ionnsachadh  ceairde,  gairnealaireachd,  no  biiid- 
searachd  no  saorsainneachd  ;  is  cuid  eile  'n  an 
gillean-turuis  ann  am  buthan. 

Oidhche  araidh  an  deidh  an  aoraidh-fheasg- 
air  dh'  iarr  e  air  na  balaich  ceist  air  bith  mu'n 


Chreideamh  Chriosduidh  a  bha  cur  dragh  orra, 
no  bha  deacair  d'  an  inntinn,  a  sgriobhadh  air 
paipear  a  thug  e  dhaibh  air  son  a'  ghnothuich. 
Bha  na  balaich  uile  aig  aois  a  shaoileadh  tu  nach 
bitheadh  dad  a'  ruith  'n  an  inntinn  ach  cluich 
is  dibhearsoin  ;  iomain,  is  ball-coise,  is  snamh, 
is  bocsadh,  ach  dh'  f  hosgail  na  ceistean  a  sgriobh 
iad  air  na  paipearan  siiilean  Mghr  Wright. 

Bha  moran  de  na  ceistean  a  dh'  f  hoighneachd 
iad  mu  neamh  agus  mu  ifreann,  ach  bha  cuid 
eile  mu  Chriosd  agus  mu'n  daimh  a  tha  aige  ri 
Dia.  Dh'  fhaighnich  aon  bhalach  "  ciamar  a 
bha  Criosd  'n  a  Dhia  ma  bhiodh  e  ag  iirnuigh 
ri  Dia  ?  An  robh  e  ag  iirnuigh  ris  fein  ?  " 
Chunnaic  e  anns  a'  mhionaid  nach  robh  e  ceart 
dha  leigeil  leis  na  balaich  dol  air  an  aghaidh 
(mar  is  trie  a  tha  tachairt)  ann  an  ceo  a  thaobh 
firinnean  a'  Chreidimh,  agus  a'  saoilsinn  nach 
'eil  dad  air  iarraidh  air  muinntir  na  h-eaglais  ach 
a  bhi  suairce  'n  an  caitheamh-beatha,  coibhneil 
ri  'n  coimhearsnaich,  a  bhi  dol  do'n  eaglais,  agus 
rudan  eile  mar  sin.  Chuimhnich  e  cuideachd  gu 
bheil  e  air  innseadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
gu'n  d'  fhuaradh  am  balach  losa  am  meadhon 
an  luchd-teagaisg,  'gan  eisdeachd  agus  a'  cur 
cheist  orra.  Mar  sin  chuir  e  roimhe,  bho  nach 
b'urrainn  e  fhein  a  dheanamh  gu  ceart,  gu'n 
iarradh  e  air  daoine  grunndail  agus  sgoilearan 
maithe  ceistean  nam  balach  a  fhreagairt,  chan 
ann  ann  an  doigh  thioram  no  chonnspaideach 
ach  gu  h-iriosal,  glic,  a'  feuchainn  ri  solus  a  chur 
air  nithean  a  bha  dorcha  agus  duilich  do  na 
balaich. 

Na  freagairtean 

An  deidh  laimhe,  chruinnich  e  na  freagairtean 
sin,  agus  chuir  e  a  mach  iad  ann  an  leabhar 
beag  fo'n  ainm,  A' cur  cheist  orra.  Sin  an 
leabhar  air  a  bheil  mise  a'  deanamh  iomraidh 
an  drasd,  leabhar  anns  a  bheil  moran  brigh 
ann  am  beagan  biichd.  Chan  'eil  e  a'  cosd 
ach  tri  is  se  sgilhnn  ;  'nuair  a  dh'  innseas 
mi  dhuit  gu  bheil  sgoilearan  mora  a'  toirt 
seachad  am  beachd  ann  air  nithean  diomhair  is 
domhain  a  thaobh  na  Diadhachd  agus  na  diadh- 
aidheachd,  their  thu  nach  b'  fhearr  a  nasgaidh 
e  ;  sgoilearan  mar  tha  H.  R.  Mac-an-toisich 
nach  maireann ;  an  t-Ollamh  A.  E.  Taylor  an 
Oil-thigh  Dhim-eideann  ;  an  t-Ollamh  Seumas 
Moffat,  an  t-Ollamh  mor  mor  Tearlach  Gore,  an 
Oxford  ;  an  t-Ollamh  W.  R.  Sorley,  an  Cam- 
bridge ;  Easbuig  Lunnainn,  agus  moran  eile  de  ^ 
'n  t-seorsa  sin. 

So  agaibh  cuid  de  na  ceistean  a  tha  air  an 
cur  agus  air  am  freagairt  anns  an  leabhar  : 

Ma  rinn  Dia  na  h-uile  nithean  c6  a  rinn  olc  ? 
Mur  bheil  ann  ach  aon  Dia  car  son  a  bhithear  ag  radh 
tri  '•«.  an  aon  ? 


ANNS  A^  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


A  bheil  e  fior  gu'n  d'  fhuair  cuid  de  dhaoine  "  seall- 

aidhean  "  air  Dia  ? 
Ciamar  is  Gradh  Dia  ?  ;  shaoil  mi  gur  Pearsa  e. 
Car  son  a  tha   Dia,  ma  tha  e  uile-chumhachdach, 

a'  ceadachadh  crith-thalmhainn  a  mharbhas  na 

miltean  ? 
A  biieil  Dia  a'  cluinntinn  ar  n-iirnuighean  no  a' 

gabliail  suim  dhiubh  ? 
Nacli  leor  a  radh  gu  robli  Criosd  'na  dhuine  maith 

gun  a  radh  gu'm  bu  Dhia  e.     A  bheil  dearbhadh 

gu'm  bu  Dhia  e  ? 
Far  nach  'eil  na  ceithir  soisgeulan  a'  cbrdadh  co 

dhiubh  a  leanar  ? 
Ma   b'   e   Dia   a   bha   ann   an  Criosd,   ciamar  a  b' 

urrainn  Dia  an  saoghal  a  riaghladh  'nuair  bha 

Criosd  air  thalamh  ? 
Am  b'  urrainn  Criosd  peacachadh  na'n  toilicheadh  e? 
Ma  bha  e  air  orduchadh  roimh  laimh  gu'm  bitheadh 

losa  air  a  bhrathadh  car  son  a  tha  a'  choire  air 

a  cur  air  ludas  ?     An  robh  e  ach  a'  deanamh 

toil  Dhe  ? 
Car  son  a  rinn  Criosd  miorbhuilean  ? 


A  bheil  naidheachd  na  h-aiseirigh  fior  ? 

Ciamar   a   tha   Criosd    'na  fhear-saoraidh   dhuinne  ? 

A  bheil  Criosd  a'  tighinn  air  ais  do'n  t-saoghal  a  ris 

mar  bhitheas  feadhainn  ag  radh  ? 
C'aite  a  bheil  neamh  ? 

An  aithne  dhuinn  dad  mu  bheatha  an  deidh  ar  bais  ? 
Ciod  a  tha  anns  an  anam  ? 
A  bheil  ifreann  ann  ?     Ma  chumas  Dia  daoine  'g  am 

pianadh  ann  an  ifreann  fad  na  siorruidheachd 

an  urrainnear  a  radh  gu  bheil  e  trocaireach  no 

caomhail  ? 
Am  faod  duine  a  bhi  'na  dhuine  maith  gun  a  bhi  'na 

Chriosduidh  ? 
Am  faod  duine  a  bhi  'n  a  dhuine  maith  gun  a  bhi 

dol  do'n  eaglais  ? 

Bhiodh  e  maith  do  mhinistearan  bruidhinn 
gu  reidh  ciallach  ris  an  oigridh  anns  a'  chlass 
Bhiobuill  air  na  ceistean  so,  oir  tha  iad  ann  an 
inntinnean  na  h-6igridh  an  diugh,  agus  ann  an 
inntinnean  dhaoine  a  thainig  gu  aois  cuideachd. 


Aig  an  Uinneig 


Mu  sgriobhadh  Gaidhlig 

ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi  a' 
bruidhinn  mu  sgriobhadh  Gaidhhg  ach  b' 
fheudar  dhomh  sgur  m'  an  d'  fhuair  mi  na 
bha  mi  dol  a  radh  a  chriochnachadh.  Theirinn 
ri  sgoilearan  oga  a  tha  toiseachadh  air  Gaidhhg 
a  sgriobhadh,  gun  eagal  air  bith  a  bhi  orra 
roimh  na  daoine  sin  a  bhios  a'  faotainn  coire 
dhaibh  air  son  a  bhi  ag  uisneachadh  facail 
Bheurla  'nuair  nach  'eil  facal  Gaidhlig  aca  a 
tha  freagarrach.  Nach  mo  ciall  na  cainnt  ? 
Mur  dean  an  neach  a  sgriobhas  an  ni  a  tha  e 
ag  radh  soilleir  d'a  luchd-leughaidh  ciod  am 
feum  a  tha  ann  dha  a  bhi  a'  sgriobhadh  idir  ? 
Mur  tuig  daoine  anns  a'  mhionaid  na  tha  e  ag 
radh  ciod  an  tairbhe  ged  b'  urrainn  e  a  radh 
nach  d'  uisnich  e  aon  fhacal  ach  facal  Gaidhlig  ? 
Theirinn  a'  chomhairle  so,  ma  ta,  air  sgi'iobh- 
adairean  oga,  leigeil  leis  an  t-seorsa  dhaoine 
so  a  bhi  bruidhinn,  eisdeachd  riu  gun  an  cluinn- 
tinn. Ach  air  a  shon  sin  theirinn  riu  cuideachd 
gu'm  bu  choir  dhaibh  a  bhi  cinnteach  nach  'eil 
facal  Gaidhlig  ri  fhaotainn  m'  an  cuir  iad  facal 
Beurla  'n  a  aite.  Tha  ceudan  a  dh'  fhacail 
ann  an  Gaidhlig  nach  aithne  dhuinne,  facail 
a  bhiodh  freagarrach  dhuinn  iomadh  uair  na  'm 
b'  aithne  dhuinn  iad.  Is  e  ar  n-aineolas  fein 
as  coireach  gu'm  feum  sinn  iasad  a  ghabhail 
o'n  Bheurla  cho  trie.  Ach  a  thaobh  nithean 
ura  nach  buineadh  do'n  t-seann  t-saoghal  anns 
an  tainig  a'  Ghaidlig  gu  ire  chan  'eil  cothrom 
aig  na  h-eolaich  ach  mar  tha  aig  na  h-aineolaich. 
Co  ach  duine  gun  ghrinneas  air  a  laimh  a 
sgriobhadh  Pol-a-ghruthain  an  aite  Liverpool,  no 
Inneal  a  Chraohh-sgaoilidh  an  aite  Radio  ? 
Thug  mi  fhein  an  lahhran-sith  air  an  inneal- 
gun-fhois  so,  ach  tha  mi  an  dliil  gun  stad  mi 
dheth,  agus  gu'n  abair  mi  an  rud  as  giorra, 


Radio  ;    facal  a  thuigeas  a  h-uile  duine  air  an 
t-saoghal,  o  Chille-sgumain  gu  California. 

(1)  Mar  sin  theirinn  ri  sgriobhaidearan  oga, 
gun  naire  no  eagal  a  bhi  orra  facail  Bheurla 
uisneachadh.  Chan  'eil  ann  ach  call-iiine  a 
bhi  deanamh  fhacal  as  iir  ma  tha  facal  Beurla 
freagarrach  no  deiseil.  Car  son  nach  gabha- 
maid  ri  radio  agus  ri  telegram,  agus  ri  chemist, 
le  ar  da  laimh  ?  Ach  tha  e  ceart  feuchainn  ri 
deise  Ghaidhealach  a  chur  air  na  facail  Bheurla 
ma  ghabhas  sin  deanamh. 

(2)  Theirinn  riu  cuideachd  nach  coire  e  ann 
an  sgriobhadh  Gaidhlig  facail  Bheurla  de'n  t- 
seorsa  a  dh'  ainmich  mi  a  bhi  ann,  ma  tha 
gne  agus  gluasad,  dreach  agus  bias  na 
Gaidhlig  anns  an  sgriobhadh.  B'  fhearr  leam 
fichead  uair  sgriobhadh  air  a  bheil  cumadh 
agus  snas  na  Gaidhlig,  ged  bhiodh  e  air  a 
bhreacadh  le  facail  Bheurla,  na  sgriobhadh 
anns  nach  robh  aon  fhacal  Beurla  ach  a  bha 
slaodach,  toiceil,  agus  duiHch  a  thuigsinn,  gun 
dad  ann  de  dhliith  no  de  inneach  na  Gaidhlig. 

Earraghloir  atmhor 

Tha  e  furasda  gu  leoir  Gaidhlig  mhaith  no 
droch  Ghaidhhg  aithneachadh  air  an  dath, 
agus  is  e  an  fhior  chomharradh  air  droch 
Ghaidhlig  gu  bheil  i  gaothar  atmhor,  mar 
gu'm  biodh  am  fear  a  sgriobh  i  a'  saoilsinn  gur 
ann  de  theaghlach  Gisein  e  fein.  Gheibhear  a' 
Ghaidhlig  as  fhearr  anns  na  sean-fhacail,  agus 
a'  Ghaidhlig  as  miosa  ann  am  bardachd  Gisein  ; 
thainig  na  sean-fhacail  direach  o  chridhe  an 
t-sluaigh  d'  am  b'  aithne  Gaidhlig,  ach  thainig 
a'  chuid  mhor  de  bhardachd  Oisein  a  inntinn 
ghaothar  Mhic-a-Phearsoin.  Bithidh  a  h-uile 
duine  a'  moladh  bardachd  Oisein  a  chionn 
nach  'eil  duine  idir  'g  a  leughadh.     Ged  nach 


6 


AIG  AN  UINNEIG— AN  FHEADHAINN  NACH  MAIREANN 


abair  mi  nach  tachair  sreathan  maith  agus 
samhlaidhean  grinn  ort  an  drasd  's  a  ris  anns 
na  leabhraichean  ris  an  abrar  bardachd  Oisein,- 
is  fhearr  am  beagan  dhiubh  na  am  moran. 
Tha  iad  gun  snas  gun  chumadh,  agus  is  duilich 
a  thuigsinn  ciamar  a  f  huair  iad  an  cliii  a  f  huair 
iad.  Fhuair  iad  cliti  am  measg  nan  coimheach 
aig  nach  robh  Gaidhlig,  ach  cha  d'  fhuair  iad 
riamh  e  am  measg  nan  Gaidheal  fein  ;  b' 
fhearr  leo-san  orain  Rob  Dhuinn  agus  Dhonn- 
chadh  Bhain  na  ranntachd  cheothar  Mhic-a- 
Phearsoin. 

A  bheil  so  fior? 

Ann  am  paipear-naidheachd  air  chor-eigin  o 
chionn  ghoirid  bha  e  air  a  radh  gu  bheil  Alasdair 
Moffat  Pender,  air  a  bheil  aithne  gun  eolas 
agam,  agus  fear-Parlamaid  eile,  air  nach  'eil 
aithne  no  eolas  agam,  cho  coimhlionta  ann 
an  Gaidhhg  's  gu'n  teid  aca  air  labhairt  ri 
muinntir  nan  Eileanan  Siar  mu  gach  gnothuch 
a  thig  air  beulaibh  na  Parlamaid  gun  aon 
fhacal  Beurla  uisneachadh.  Och,  Och,  sgiol- 
mag  ma  bha  i  riamh  ann  !  Creididh  mi  gu 
bheil  an  da  dhuin-uasal  so  coimhlionta  gu  leor 
ann  an  Gaidhlig,  agus  gu'm  bu  mhaith  leo 
an  sluagh  a  thoileachadh  le  bhi  a'  bruidhinn 
Gaidhlig,  ach  gu'n  tuigeadh  an  sluagh  gu 
luath  no  gu  furasda  daoine  a  sheachnadh  na 
facail  Tariffs,  agus  Pensions,  agus  Gold  Standard, 
agus  Steck  Exchange,  agus  subsidy,  agus  Ramsay 
Macdonald,  agus  a  chuireadh  facail  neonach 
'n  an  aite  as  an  cinn  fhein,  sin  rud  nach  creid 
mi  o  dhuine  beo.  Chan  e  nach  gabhadh  an 
rud  deanamh  ann  an  doigh  mhaol,  ach  nach  b' 
fhiach  e  a  dheanamh.  Theagamh  gu'm  feuch- 
adh  Clann  an  Fhraoich  ris  ach  chan  fheuch- 
adh  Mac  Mhaighstir  Alasdair  ris.  Bu  chomh- 
dheas  leis-san  facal  Beurla  ri  facal  Gaidhlig 
ma  bha  e  a'  freagairt  air. 

Tairneanach  a'  bhombh  's  a  chanain 
Sgoilteadh  e  'n  talamh  le  chruas. 

Bha  Richard  's  Robin,  bru-dhearg 
Ri  seinn  's  fear  dhiubh  'na  bheus. 

A'  Ghaidhlig  anns  na  sgoilean 

Tha  barrachd  de  dhaoine  oga  ag  ionnsachadh 
Gaidhlig  anns  na  bliadhnachan  so  na  bha  riamh 
ann,  is  tha  luchd-teagaisg  as  fhearr  air  an  ceann 
na  bha  ann  o  chionn  fichead  bhadhna.  A 
thaobh  's  gu  bheil  an  teagasg  sin  air  a  thoirt 
do'n  oigridh  a  tha  anns  na  h-ard-sgoilean,  agus 


a  tha  dol  air  an  aghaidh  na's  fhaide  anns  an 
ionnsachadh  (co  dhiu  moran  dhiubh)  thig 
obair  nam  maighstirean-sgoile  gu  buil  mhaith 
uair-eigin.  Ann  an  Earra  -  Ghaidheal  tha  da 
cheud  is  ceithir  deug  air  an  teagasg  ann  an 
Gaidhlig  anns  na  sgoilean  as  motha  ;  anns  an 
Oban,  an  Ceann  Loch  Gilb,  am  Bogha  Mor, 
an  Cornaig  Mhor,  an  Tobar  Mhoire.  Chan  'eil 
Gaidhlig  idir  air  a  teagasg  an  Ceann  Loch, 
no  ann  an  Dun-omhain.  Tha  an  ceann- 
toisich  aig  an  Oban  le  suas  ri  ceithir  fichead 
sgoilear. 

Chan  'eil  duine  idir  ag  ionnsachadh  Gaidhlig 
air  tir-mor  mu  thuath  air  lonar-pheofharan, 
far  a  bheil  tri  sgoilearan  deug  air  an  teagasg 
an  Gaidhlig.  Tha  aon  deug  ann  an  Ullabul, 
ach  mur  bhitheadh  Sgoil  Mhor  Steornabhaigh 
bhiodh  siorramachd  Rois  fad  air  dheireadh. 
Tha  suas  ri  ochd  fichead  sgoilear  ann  an 
Steornabhagh  ag  ionnsachadh  Gaidhlig  a 
leughadh  agus  a  sgriobhadh,  aireamh  as  mo 
na  tha  ann  an  sgoil  eile  an  Albainn.  B' 
abhaist  do'n  fhear  nach  maireann  am  Morair 
Leverhulme  a  bhi  ag  radh,  gur  ann  air  a' 
mhuir  a  bha  dochas  Leodhais.  Ach  tha 
oigridh  Leodhais  an  diugh  a'  cur  an  dochais 
ann  an  Greigis  agus  an  Gaidhlig,  is  tha  iad 
ceart.  Is  ann  le  Greigis  agus  le  Gaidhlig  a 
tha  Leodhasaich  an  diugh  a'  sealbhachadh  na 
talmhainn.  Fagaidh  mi  am  facal  so  gun 
chriochnachadh,  oir  tha  fhios  agam  gu'n  crioch- 
naich  droch  Sgitheanaich  e. 

Ciod  air  bith  dearbhadh  a  chuirear  orra  tha 
siorramachd  lonar-nis  daonnan  air  thoiseach 
air  each  a  thaobh  Gaidhlig.  Anns  na  seann 
laithean  bha  a  thri  uiread  de  bhaird  mhaithe 
ann  an  lonar-nis  's  a  bha  anns  a'  chuid  eile 
de  'n  Ghaidhealtachd  uile  gu  leir,  is  cha  mhor 
nach  ann  do  lonar-nis  a  bhuineas  an  dara  leth 
de  'n  chloinn  a  tha  faotainn  leasan  Gaidhlig 
anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh.  Is  e  an 
aireamh  uile  gu  leir  seachd  ceud  is  deich  ar 
fhichead,  ach  tha  corr  agus  tri  cheud  gu  leth 
dhiubh  an  siorramachd  lonar-nis  ;  ceithir 
fichead  is  naoi  am  Port-righ  ;  leth-cheud  anns 
an  Tairbeart  ;  ochd  ar  fhichead  anns  a'  Ghear- 
asdan  ;  ochd  deug  ar  fhichead  am  Bagh-a- 
Chaisteil ;  ceithir  ar  fhichead  's  an  Ath- 
leathann  ;  da  fhichead  an  DaiUbrog  ;  ceithir 
ar  fhichead  an  Dim-bheagain  ;  ceithir  ar 
fhichead  an  Academy  lonar-nis,  naoi  ar  fhichead 
am  Peaball,  is  naoi  an  Cinn-ghiiithsaich. 


An  Fheadhainn  nach  maireann 


Iain  A.  Mac  Rath,  MA. 

THA  muinntir  Obar-pheallaidh  a'  caoidh  an 
Urramaich  Iain  A.  Mac  Rath,  MA.,  a  bha 
'na  mhinistear  ann  an  Eaglais  Bhraghaid 
Albann  o'n  bhliadhna  1884.     Bhuineadh  e  do 


thaobh  shiar  Rois  ;  cha  robh  e  riamh  os  cionn 
coimhthionail  an  aite  eile  ach  an  Obar-pheall- 
aidh, far  an  robh  e  air  a  shuidheachadh  goirid 
an  deidh  dha  a  bhi  mach  as  a'  Chollaist. 

Bha  e  'n  a  aodhair  dichiollach,  'n  a  shear- 


AN  FHEADHAINN  NACH  MAIREANN— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE     7 


monaiche  soisgeulach  agus  durachdach,  agus 
anabarrach  measail  aig  a'  choimhthional  fein, 
Bha  e  fhein  agus  a  bhean  comharraichte  ann 
an  seana  Chleir  na  h-Eaglais  Shaoir  air  son  an 
saothrach  agus  an  dilseachd  ann  an  craobh- 
sgaoileadh  an  t-soisgeil  anns  na  duthchanna 
thall.  Bu  duine  eudmhor  saothrachail  e  ann 
an  seirbhis  Chriosd  ;  bha  e  air  a  thogail  ann 
an  doighean  agus  ann  am  beachdan  nan 
seann  daoine  ris  an  abrar  "  aithrichean  Rois  " 
is  lean  e  'n  an  ceuman  gu  la  a'  bhais-  Bha 
meas  againn  uile  air  Iain  A.  Mac  Rath  ann  an 
Cleir  Dhiin-chailleann. 

Diighall  Bell 

Thainig  am  bas  gu  h-obann  air  an  Urramach 
Diighall  Bell,  ministear  Lios-mor  agus  e  a' 
deanamh  deas  a  dhol  gu  coinneamh  do'n  Oban. 
B'  aithne  dhomh  ri  fhaicinn  e,  ach  b'  e  sin  uile 
e,  ach  tha  mi  an  dull  gu  robh  e  ann  an  Cill-an- 
inbhir  agus  Cill-mheilaird  m'  an  deachaidh  e  do 
Lios-mor.     Bha    coltas    reidh    socrach    air,    is 


bha  de  earbsa  aig  muinntir  Lios-mor  ann  's 
gu'n  do  chuir  iad  air  Comunn-riaghlaidh  na 
Siorramachd  e.  Bha  e  'n  a  dhuine  samhach 
nach  milleadh  a  shith  fein  no  sith  dhaoine  eile 
le  usaid  no  stri.  Bithidh  muinntir  Lios-mor 
'g  a  ionndrainn. 

Tomas  S.  Cargill,  B.D. 

Thainig  am  bas  gu  h-obann  an  la  roimhe  air 
ministear  eile,  an  t-Urramach  Tomas  S. 
Cargill,  B.D.,  an  Cromdhait,  an  cleir  Obar- 
neithe.  Bha  Tomas  Cargill  'n  a  sgoilear 
maith,  agus  'n  a  dhuine  geur-inntinneach  is 
deas-bhriathrach.  Ged  nach  'eil  GaidhUg 
a  nis  air  a  searmonachadh  ann  an  Cromdhail 
b'  abhaist  do'n  sgir  so  a  bhi  air  a  cunntas  am 
measg  sgirean  Gaidhealach.  Is  ann  innte  a 
bha  Iain  Mac  Comhann,  mac  do'n  t-seana 
mhaighstir-sgoile  a  bha  cho  measail  an  Aird- 
nam-murchann,  is  theagamh  gu  bheil  cuimhne 
aig  cuid  de  na  leughas  so  gu'n  do  shiubhail  Iain 
Mac  Comhann  e  fein  gu  h-obann  an  Dim- 
eideann  an  1909?  agus  e  aig  an  Ard-Sheanadh. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


NA'N  robh  Mairearad  Mairi  Leigh  cho  maith 
air  tuathanachd  's'  a  tha  i  air  sgriobhadh 
cha  ruigeadh  i  a  leas  Ach-nam-bo  fhagail. 
Ghabh  i  an  t-aite  aig  a'  Bhealltuinn  1933,  ach 
eadar  nach  'eil  grunnd  chaorach  ann,  no  feansai- 
chean  a  chumas  a  crodh  fhein  a  stigh  no  crodh 
nan  coimhearsnach  a  mach,  agus  nach  b' 
urrainn  dhi  an  obair  a  dheanamh  gun  seir- 
bhisich  a  phaigheadh,  cha  robh  Ach-nam-bo 
a'  paigheadh,  is  tha  i  dol  a  mach  as. 

Tha  so  uile  air  innseadh  ann  an  leabhar  a 
chuir  i  a  mach  o  chionn  ghoirid.  Highland 
Homespun  (a  phris,  ochd  is  se  sgillinn),  leabhar 
mu'n  Ghaidhealtachd  as  fhearr  a  chunnaic  mi 
o  chionn  iomadh  la.  Chan  'eil  crioch  aig  na 
leabhraichean  a  tha  air  an  sgriobhadh  mu'n 
Ghaidhealtachd  an  diugh,  ach  chan  'eil  anns 
a'  chuid  mhor  dhiubh  ach  brochan  tana,  is 
b'  fhearr  dhuit  t'  airgiod  a  chur  ann  an  Almanac 
Whitaker  na  annta. 

Peann  no  Crann 

Ach  chan  ann  mar  sin  a  tha  an  leabhar  a 
sgriobh  Mairearad  Leigh  ;  tha  e  Ian  de  nithibh 
maithe,  air  an  toirt  a  tobar  a  breithneachaidh 
fein  agus  chan  ann  a  leabhraichean  dhaoine 
eile.  Tha  inntinn  laidir  is  siiil  gheur  aice, 
agus  a  thuilleadh  air  sin  tha  ealadhain  aice 
air  sgriobhadh.  Ged  nach  abair  mi  gur  fhearr 
am  peann  na  'n  crann,  b'  olc  an  aii'idh  gu'n 
cosdadh  te  air  bith  d'  an  aithne  sgriobhadh 
mar  is  aithne  do'n  bhoirionnach  so,  no  aig  a 
bheil  seanchas  anns  a  bheil  tiir  agus  bladh 
mar  tha  'n  a  seanchas-se,  uine  ri  treathlaich 


a  dheanadh  balach-buachaille  no  caileag- 
shearbhanta  na  b'  fhearr,  an  aite  a  bhi  sgrio- 
bhadh. Thug  an  leabhar  so  uiread  toileachaidh 
dhomh  fhein  's  gur  gann  is  urrainn  dhomh 
bruidhinn  uime  gun  dol  thar  na  cailce.  Is 
e  bean-uasal  a  tha  ann  am  Mairearad  Leigh, 
air  a  togail  agus  air  a  h-ard-oileanachadh  ann 
an  Sasunn  ann  an  doigh  nach  'eil  a  reir  gnaths 
nan  croitearan,  ach  thionndaidh  i  a  ciil  ris  an  t- 
saoghal  sin,  is  thainig  i  do  Ach-nam-bo  a  dh' 
oibreachadh  fearainn  le  a  lamhan  fein  agus  a 
thoirt  a  beo-shlaint  as  an  talamh. 

Gaol  an  talaimh 

Car  son  a  rinn  i  sin  ?  Tha  i  fhein  a'  freagairt 
na  ceiste  anns  an  leabhar  so,  ach  bu  cho  maith 
dhuit  fhoighneachd  car  son  a  bhios  aon  duine 
ag  61  uisge-bheatha  gus  am  marbh  e  e  fein 
leis,  no  duine  eile  a'  fagail  uile  chomhfhurt- 
achdan  an  t-saoghail,  bean  is  clann  is  blaths 
an  teine,  a  dhol  air  ghaisge  agus  a  dh'  fhulang 
cruadail,  ag  iarraidh  a'  Phole  mu  thuath, 
no  fear  eile  'g  a  thacadh  fein  ag  iarraidh  gu 
mullach  Beinn  Everest.  Tha,  a  chionn  gu 
bheil  e  'n  a  thlachd  d'  an  anam  sin  a  dheanamh, 
agus  gu  bheil  iad  a'  freagairt  guth  is  gairm 
laidir  a  tha  'n  an  cridhe  fein.  Ged  tha  mac 
an  duine  a'  tighinn  beo  air  aran,  cha  tig  e 
beo  air  aran  a  mhain.  Tha  Iain  Ruskin  ag 
radh  gu'n  do  chuir  Dia  an  cromlus  (poppies) 
anns  an  arbhar  a  leigeil  fhaicinn  do  dhaoine 
nach  ann  air  son  an  itheadh  a  tha  a  h-uile  rud 
a  tha  fas.  "  Ma  tha  da  bhuilionn  arain  agad," 
arsa  Mahomet,  "  reic  fear  dhiubh  agus  ceann- 


8 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— A  NIS  MAIRIDH  GRADH 


aich  dorlach  fhliiraichean."  Tha  aran  diomh- 
air  aig  a  h-uile  duine  nach  aithne  do  dhaoine 
eile  ;  guthan  'n  a  chridhe  'g  a  ghairm  an  sud 
agus  an  so  air  dhoigh  a  chuireas  ionghnadh 
air  daoine  eile.  Mar  sin  tha  e  glie  do'n 
h-uile  duine  leigeil  le  comhairle  a  chridhe  fein 
seasamh,  agus  dol  a  mach  air  ghaisge  mar  rinn 
Abraham,  co  dhiubh  is  e  a  cheann-uidhe 
Beinn  Everest,  no  Ach-nam-bo,  no  aite  air 
bith  eile  air  an  ruig  e  le  chruas,  le  luaths,  agus 
le  laidireachd  fein. 

An  Solas  buan 
(1)  Bheir  gaol  an  talaimh  barrachd  solais  do 
chridhe  mhic  an  duine  na  bheir  rud  air  bith  eile, 
is  e  sin  r'a  radh,  rudan  eile  a  ghabhas  coimeas 
ris.  Cha  bhiodh  e  ceart  gaol  an  talaimh  a 
choimeas  ri  gaol  do  mhnatha  no  do  phaisdean, 
ach  bheir  gaol  an  talaimh  dhuit  togail  cridhe  is 
aoibhneas  buan  nach  fhaigh  thu  bho  ghloir  an 
t-saoghail,  no  bho  mhalairtean  a'  mhargaidh,  no 
bho  charnadh  suas  storais.  Tha  seorsa  dhaoine 
ann  a  bhiodh  air  an  narachadh  gnothuch  air 
bith  a  bhi  aca  ris  an  talamh-;  cha  toigh  leo  iiir 
na  talmhainn  fhaicinn  air  am  brogan,  no  aileadh 
na  talmhainn  a  bhi  as  an  lamhan.  Sin  na  daoine 
a  tha  air  an  sgeadachadh  ann  an  eudach  min 
agus  a  chaitheas  an  iiine  ann  an  seomraichean 
nach   'eil  daonnan  rioghail.     Chan   aithne   do 


mhuinntir  a'  bhaile  mhoir  gu  ceart  car  son  a 
thug  Dia  si'on  do  mhac  an  duine,  oir  anns  a' 
bhaile  mhor  chan  urrainn  duine  solas  a  dheoghal 
a  steach  le  shroin,  ciod  air  bith  a  mhosaiche  a 
dheoghlas  e  a  steach  leatha.  Ach  anns  an 
diithaich  tha  sron  duine  a'  fosgladh  dha  gun 
sgur  seomraichean  diomhair  an  aoibhneis.  Ma 
tha  duine  ann  an  deagh  shlainte  agus  cuinnlean 
geur  aige,  agus  ma  theid  e  a  mach  trath  anns 
a'  mhaduinn,  agus  a'  mhaduinn  ciiiin  ann  an 
toiseach  an  t-samhraidh,  bheir  a  shron  dha  duais 
na  moch-eirigh,  ionmhas  nach  b'  urrainn  banca 
Shasuinn  a  thoirt  dha. 

(2)  Chan  'eil  obair  ann  a  tha  cho  nadurra  do 
dhuine  ri  bhi  ag  oibreachadh  fearainn  oir  b'e 
aithne  Dhe  do'n  duine  ann  an  tus  a  thoiseach- 
aidh  an  talamh  a  ruamhar.  Tha  da  obair  ann 
a  tha  daonnan  uasal  agus  nach  fas  gu  brath 
suarrach,  an  tuathanachd  agus  an  t-saorsainn- 
eachd,  an  obair  aig  a'  cheud  Adhamh  agus  an 
obair  aig  an  dara  Adhamh.  Tha  e  car  duilich  a 
thuigsinn  car  son  a  shaoileas  daoine  gu  bheil  e 
na's  uaisle  a  bhi  reic  's  a  ceannach  na  tha  e  a  bhi 
cur  's  a  buain.  Theagamh  gu  bheil  e  na's 
buannachdaile,  ach  chan  'eil  e  na's  toilinn- 
tinniche  agus  idir  idir  chan  'eil  e  na's  uaisle. 


{Re  leantUinn) 


A  nis  mairidh  grkdh 


GED  bheirinn  do  na  feumanaich 
Mo  dheirc  is  m'  uile  mhaoin, 
'S  mo  chorp  ged  loisgt'  'n  a  iobairt  e 
Air  son  na  firinn  naomh  ; 
Bu  diomhanas  an  t-eud  sin  dhomh, 
Cha  dean  e  feum  no  brigh  ; 
Is  mi  gun  ghaol  'n  am  anam 
Chan  'eil  gealladh  dhomh  air  sith, 

Chan  'eil  an  gaol  so-bhrosnuchaidh, 

Is  olc  cha  smuainich  e, 

Cha  dean  e  ni  mi-chiatach,  is 

Chan  iarr  e  thairbhe  fein  ; 

Air  eucoir  ni  e  dimeas  ach 

An  f  hirinn  's  i  a  mhiann, 

A'  deanamh  innte  gairdeachas, 

'S  i  chuspair  graidh  gu  sior. 

Gu  foighidinneach  giiilainaidh, 
Gach  cuis  a  thig  'na  dhail. 
Is  creididh  'n  gaol  na  h-uile  ni, 
'S  CO  urramach  a  cKail ; 
Bidh  dochas  aige  daonnan  ris 
Gach  aon  ni  ghealladh  dha, 
Is  fuilgidh  e  le  ciiiineachas, 
Gach  ciurradh  agus  cradh. 


Air  teangaidhean  thig  failigeadh, 
'S  air  faidh'  dearachd  thig  crioch. 
Is  caithidh  gibht  is  eolas  as 
Mar  cheo  a  bhiodh  air  sliabh  ; 
Ach  gaol  is  ni  neo-chriochnach  e, 
Bhios  siorruidh  buan  gu  brath, 
Oir  's  ann  an  uchd  na  Trianaide 
O  chiari  a  ghin  an  gradh. 

Cha  luidh  a,ois  no  tuar  a  bhais 
Air  mais'  is  buaidh  a'  ghaoil  ; 
'Se  'n  gras  a  mhain  a  bhuanaicheas 
A  bhos  is  shuas  far  aon  ; 
Cha  dean  e  uaill  no  raiteachas, 
'S  gu  brath  cha  seidear  suas  ; 
An  gaol  tha  min  is  macanta 
Tha  thlachd  a  ghnath  an  truas. 

Bi  thusa  nis  a'  rannsachadh. 

An  d'  rainig  ort-sa  naaoin 

De  'n  daimh  sin  tha  fior  charthannach, 

Ro  thairiseach  is  caomh  ; 

Tha  'n  fhirinn  naomh  a'  seulachadh 

Gu  bheil  E  fein  'n  a  Ghaol  ; 

'S  na  h-uile  ris  an  toisich  E, 

Bidh  iad  fadheoidh  'n  an  aon. 

Uilleam  Mac  Coinnich 


Aireamh 


937 


Cliu  ar  Sinnsir 

Llonadh  iad  uile  leis  an  spiorad  Naomh 
Bha  na  h-uile  nithean  aca  coitchionn 
Bhuanaich  iad  a  dh'aon  inntinn  anns  an  teampull 
Bha  iad  Ian  de  chreideamh  : — GnIomhakan. 


THA  a  h-uile  duine  anns  a'  Ghaidhealtachd 
eolach  air  an  fhacal  so,  Lean-sa  dliith  ri  cliii 
do  shinnsir  ;  facal  maith,  oir  tha  e  ceart  do 
dhuine  a  thainig  o  dhaoine  onoi'ach  is  cliiiiteach 
a  bhi  uasal  as  na  daoine  o'n  tainig  e,  agus  feuch- 
ainn  ri  bhi  onarach  agus  cliiiiteach  e  fein. 
Tha  da  dhuchas  agus  da  oighreachd  againn,  ar 
duchas  agus  ar  n-oighreachd  aimsireil  agus  ar 
diichas  agus  ar  n-oighreachd  spioradail,  achi.s 
ann  a  mhain  air  ar  diichas  spioradail  a  bu 
mhaith  learn  a  bhi  bruidhinn  an  drasd,  ar 
sinnsir  spioradail  ris  an  abrar  na  ceud  chreid- 
mhich,  no  naoimh  an  Tiomnadh  Nuaidh,  no 
luchd-leanmhuinn  nan  abstol.  Sin  ar  sinnsear  ; 
sinnsear  as  fhiach  an  cHu,  agus  an  creideamh, 
agus  an  eisiomplair  a  leantuinn.  Chan  abradh 
na  daoine  ud  naoimh  riu  fein  mar  a  their  sinne  ; 
theireadh  iad  ri  cheile  Tertius,  no  Epaphras,  no 
Rufus,  no  Epaphroditus,  no  ainm  eile  mar  sin. 

Dliith  do  Chriosd 

Tha  mi  an  diiil  gur  ann  mar  is  dliiithe  a  gheibh 
sinn  do  Chriosd  is  fhearr  a  thuigeas  sinn  an 
Creideamh  Criosduidh,  agus  ciod  an  seorsa 
dhaoine  a  bu  choir  dhuinn  a  bhith.  Tha  fhios 
agam  nach  aontaich  na  h-uile  ris  a'  bheachd  so, 
oir  tha  moran  dhaoine  Ian  chinnteach  gu  bheil 
diadhairean  agus  sgoilearan  an  la  'n  diugh  a' 
tuigsinn  inntinn  Chriosd  agus  teagasg  Chriosd 
na's  fhearr  na  thuig  Pol,  no  Peadar,  no  Phile- 
mon, no  gin  eile  de  na  ceud  chreidmich,  e.  Sin 
beachd  ris  nach  gabh  mi  idir.  Theagamh  gu 
bheil  iad  a'  tuigsinn  nithean  diomhair  a  tha  air 
iomall  a  chreidimh,  eadar  an  diadhaidheachd 
agus  feallsanachd,  na's  fhearr  na  na  ceud 
chreidmhich,  a  chionn  gu  bheil  barrachd  eolais 
anns  an  t-saoghal  an  diugh  na  bha  ann  anns  na 
laithean  ud,  ach  b'  aithne  do  na  h-abstoil  agus 
do  na  ceud  chreidmhich  Criosd,  agus  inntinn 
Chriosd,  agus  doighean  Chriosd,  na  b'  fhearr 
na's  aithne  do'n  Ollamh  W.  R.  Inge,  no  do  Sir 
Seumas  G.  Friseil,  no  do  Sir  Seumas  Jeans. 
Theagamh  gu'n  abradh  an  triiiir  sgoilearan  sin 
gur  facal  gun  tur  so,  ach  tha  e  fior.  Chunnaic 
na  ceud  chreidmhich  Mac  Dhe  le  an  siiilean, 
Ian  grais  agus  firinn.  Mar  is  fhaide  a  thatar 
a'  falbh  o  linn  nan  abstol  is  ann  is  mo  an  cunnart 
gu'n  caillear  cuimhne  air  cruth  agus  air  dealbh 
a'  Chreidimh  Chriosduidh. 


Na'n  robh  thu  air  thurus  ann  an  lei'usalem, 
no  ann  an  aon  de  bhailtean  na  h-Asia  bhig, 
deich  bliadhna  fichead  an  deidh  aiseirigh 
Criosd,  agus  na'n  iarradh  tu  air  cuid-eigin 
do  sheoladh  a  dh'  ionnsuidh  na  h-eaglais 
Chriosduidh  theagamh  nach  tuigeadh  e  ciod 
a  bha  thu  a'  ciallachadh,  no  c6  a  bha  thu 
a'  sireadh.  Oir  ged  bha  daoine  maithe  agus 
daoine  diadhaidh  ag  aoradh  do  Chriosd  anns 
na  laithean  ud  cha  b'aithne  do'n  t-saoghal  iad 
fhathast  mar  "  eaglais,"  ach  mar  dhaoine 
neonach  a  bha  leantuinn  Neach  a  bha  air  a 
cheusadh,  agus  a  bha  creidsinn  gu'n  d'eirich 
e  a  ris.  Bha  beatha  naomh  nan  ceud  chreid- 
mheach  follaiseach  do'n  t-saoghal,  ach  bha  an 
aoradh  an  uaigneas.  An  uair  a  choinnicheadh 
iad  a  dh'  urnuigh,  agus  a  labhairt  mu  Chriosd, 
agus  a  sheinn  laoidhean  dha,  bha  na  dorsan  air 
an  dimadh. 

"  Labhair  iadsan  air  an  robh  eagal  an  Tigh- 
earna  gu  trie  ri  cheile,"  chan  ann  mu  na 
nithean  air  am  bi  sinne  a'  labhairt  an  diugh  aig 
Cleir  is  aig  Seanadh  ach  mu  Chriosd  ;  mu'n 
aoibhneas  agus  mu'n  t-sith  a  chuir  e  'n  an  cridhe, 
agus  mu'n  dochas  a  bha  aca  nach  b'  fhada  gus 
am  faiceadh  iad  e  a  ris.  Ged  bhitheadh  iad  a' 
leughadh  a'  Bhiobuill  agus  a'  seinn  shalm  is  e 
na  naidheachdan  a  b'  fhearr  leo  na  naidh- 
eachdan  a  bhitheadh  na  h-abstoil  agus  daoine 
eile  d'  am  b'  aithne  Criosd  ag  innseadh  dhaibh 
uime  ;  naidheachdan  a  bha  air  an  cruinn- 
eachadh  an  deidh  laimhe  le  Marcus  agus 
Lucas  agus  feadhainn  eile,  air  eagal  gu  rachadh 
an  call.  Ged  nach  robh  iad  lionmhor  no  cumh- 
achdach  bha  iad  Ian  de  chreideamh  agus  de'n 
Spiorad  Naomh,  da  rud  as  laidire  na  fudar. 
Ann  am  beagan  iiine  chuir  na  daoine  citiin 
iriosal  ud,  aig  nach  robh  inneal  no  argumaid  ach 
an  creideamh  agus  an  Spiorad  Naomh  a  bha  'n 
an  cridheachan,  an  saoghal  bun  os  cionn.  Chuir 
iad  bun  os  cionn  e  anns  an  t-seagh  so,  gu'n 
d'  atharraich  iad  beachdan  agus  smuaintean 
dhaoine  eile  gu  buileach  a  thaobh  nan  nithean 
a  b'fhiach  dhaibh  a  bhi  sireadh,  agus  a  thaobh 
crioch  araidh  am  beatha.  An  uair  a  tha 
smuaintean  is  riiintean  do  chridhe  air  an  atharr- 
achadh  tha  thu  ann  an  saoghal  iir  ;  tha  an 
seann  saoghal  anns  an  robh  thu  a'  gluasad  air 
a  thilgeadh  bun  os  cionn. 


CLIU  AR  SINNSIR— ANNS  A'  CHATHAIR 


Uasal  agus  glic 

Bha  na  ceud  chreidmhich  blath-chridheach 
agus  coibhneil,  caomhail  ri  each  a  cheile.  Mar 
dhearbhadh  agus  mar  chomharradh  air  an 
caomhalachd  thoir  an  aire  mar  thug  iad  maith- 
eanas  do  Pheadar.  Bha  fhios  aca  uile  gu'n 
do  thuit  Peadar  ann  an  clabar  criadha  tiugh 
an  oidhche  ud  a  mhionnaich  e  nach  b'  ann  de 
chuideachd  losa  esan,  ach  ma  bha,  cha  do  thilg 
iad  sin  'na  aodann  uair  air  bith.  Cha  b'  urrainn 
a  mhathair  a  bu  ghlice  agus  a  bu  chaomhaile 
a  bhi  na  bu  ghrinne  ri  a  mac-ciche  na  bha  na 
creidtnhich  eile  ri  Peadar.  Bha  iad  Ian  de'n 
ghliocas  a  tha  o  shuas,  an  ghocas  a  tha  sitheil, 
agus  citiin,  agus  trocaireach.  Na'n  do  bhuin 
iad  ri  Peadar  gu  colgarra  no  gu  cronachail 
theagamh  gu'm  bu  chall  mor  do'n  eaglais  e. 
Anns  na  laithean  ud  dh'  fheumadh  misneach  a 
bhi  aig  na  daoine  a  bha  ag  aideachadh  Chriosd, 
ach  ged  bha  iad  a'  fulang  geur-leanmhuinn, 
air  an  sgiiirsadh,  agus  air  an  cur  am  priosan, 
bha  na  ceud  chreidmhich  aoibheil  sona,  is  tha 
e  air  a  radh  gur  e  cho  sona  's  a  bha  iad  a  b' 
aobhar  gu'n  d'  fhas  an  aireamh  liomnhor  ann 
an  iiine  ghoirid.  Leis  cho  aoibheil  sona  's  a 
bha  iad  dh'  aithnich  an  saoghal  gu  robh  iad 
maille  ri  Criosd.  An  gairdeachas  a  bha  ann 
an  cridhe  nan  ceud  chreidmheach,  tha  sin  ri 
f haicinn  gu  soilleir  anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 
"  An  uair  a  shearmonaich  Phihp  ann  an 
Samaria,  bha  gairdeachas  mor  's  a'  bhaile  sin." 
An  uair  a  bha  an  caillteanach  o  Etiopia  air  a 
bhaisteadh,  dh'  imich  e  air  aghaidh  le  gair- 
deachas. An  uair  a  bha  Pol  agus  Silas  air  an 
tilgeadh  am  priosan  ann  an  Philipi,  agus  am 
feoil  agus  an  cnamhan  goirt  leis  an  laimh- 
seachadh  gharbh  a  rinneadh  orra,  sheinn  iad 
laoidhean  air  a'  mheadhon-oidhche. 

Am  braithreachas 

Dh'  fhaodainn  leantuinn  orm  fad  seachduin, 
ag  innseadh  mu  choslas  agus  mo  dhoighean 
nan  daoine  ud,  agus  mu'n  bheatha  naoimh  agus 
mhaisich  a  bha  iad  a'  cur  romhpa,  ach  gus  mo 
sheanchas  a  ghiorrachadh  feumaidh  mi  iomradh 
a  dheanamh  air  am  braithreachas,  oir  tha  mi  an 
diiil  gur  e  sin  an  rud  a  bu  chomharraichte  ann 
am  beatha  nan  ceud  chreidmheach  uile  gu  leir. 
Bha  iad  'n  an  aon  teaghlach,  'n  an  cairdean  d'a 
cheile  a  chionn  gu  robh  iad  'n  an  cairdean  do 


Chriosd.  Ma's  eigin  do  roinnean  teachd 
(thainig  roinnean  ann  an  Corint  gu  maith  trath) 
is  an-aoibhinn  do'n  duine  sin  troimh  an  tig 
roinnean.  Bha  na  ceud  chreidmhich  air  am 
baisteadh  ach  cha  robh  eaglais  Bhaisteach  aca  ; 
bha  foirbhich  aca  ach  cha  robh  eaglais  Chleir- 
eachail  ann  ;  bha  a  h-uile  coimhthional  a'  seall- 
tuinn  as  deigh  an  cuisean  fein  ach  cha  robh 
eaglais  Congregational  ann,  no  eaglais  Phapanach, 
no  eaglais  Easbuigeach.  Bha  an  aon  eaglais 
farsuing  gu  leor  dhaibh  uile,  oir  bha  iad  'n  an 
aon  teaghlach,  teaghlach  a'  chreidimh. 

Chan  ann  do  aon  bhuidheann  no  do  aon 
seorsa  dhaoine  a  bhuineas  eaglais  Chriosd  ach 
do  na  h-uile,  is  bu  choir  do'n  eaglais  Chriosduidh 
a  bhi  cho  uasal,  agus  cho  farsuing,  agus  cho 
moi'-chridheach  ri  Criosd  fein,  agus  a  dorsan 
a  bhi  fosgailte  do  gach  seorsa  dhaoine.  B' 
eu-coltach  Nicodemus  agus  Joseph  o  Arimatea 
ri  Eoin  agus  Peadar,  ach  bha  aite  aig  Criosd 
dhaibh  uile  'n  a  rioghachd,  is  feum  air  an 
talantan  a  bha  cho  eadar-dhealaichte.  Ann 
an  eaglais  nan  ceud-chreidmheach  bha  naimh- 
dean  na  Roimhe  agus  seirbhisich  na  Roimhe 
air  an  aon  urlar,  agus  na  b'  iongantaiche  na  sin, 
uachdarain-fearainn  agus  ragamain.  Cha  robh 
iad  de'n  aon  inntinn  daonnan  (cha  bhi  comunn 
anns  a  bheil  beatha  de'n  aon  inntinn  gu  brath) 
ach  cha  do  mhill  sin  am  braithreachas. 

Toradh  an  Spioraid 

Bha  toradh  an  Spioraid  ri  fhaicinn  'n  am 
beatha  ;  bha  iad  teo-chridheach  d'a  cheile, 
ciiiin,  stuama,  aoibheil,  Ian  de  chreideamh  agus 
de'n  Spiorad  Naomh.  Cha  bu  toigh  leo  mi- 
rim,  no  farmad,  no  ana-cainnt  ;  cha  robh  na 
nithean  sin  eadhon  air  an  ainmeachadh  'n  am 
measg.  Ach  bu  toigh  leo  a  bhi  gnathachadh 
aoidheachd,  a  bhi  cuideachadh  nam  bochd,  a 
bhi  buanachadh  ann  an  iirnuigh,  agus  gu 
sonruichte  bu  toigh  leo  Dia,  agus  fhacal,  agus 
a  sheirbhis. 

Sin,  ma  ta,  na  daoine  o'n  tainig  sinn,  ar  sinn- 
sear  spioradail,  agus  ciod  am  facal  as  freagarr- 
aiche  dhuinn  uile  aig  toiseach  na  bhadhna 
iiire  na'm  facal  so,  Lean-sa  dluth  ri  cliic  do 
shinnsir. 

Tha  beatha  dhaoine  naomh  'gar  teagasg 
Gu'm  faod  sinn  uile  stri  ri  euchd. 
Is  air  dhuinne  siubhal  dhachaidh 
Ceuman  fhagail  as  ar  deidh. 


Anns  a'  Chathair 


AIR  oir  a'  mhonaidh  ann  an  Cille-sgumain 
XA-bha  tigh  anns  an  robh  da  sheana  bhean  a' 
fuireach,  te  anns  gach  ceann.  Cha  robh  gaol 
an  t-samhraidh  aca  d'a  cheile,  is  bha  uiread 
de  mhi-rim  agus  de  fharmad  'n  an  cridheachan 
's  gu'm  bitheadh  an  dara  te  air  a  gonadh  na'm 


b'ann  do  cheann  na  te  eile  a  rachainn  an 
toiseach.  Mar  sin,  air  ghaol  sithe,  gach  uair 
a  bhithinn  a'  tadhall  orra,  bhithinn  a'  feuchainn 
ri  chuimhneachadh  c6  an  dorus  aig  am  buaihnn 
an  toiseach. 

Bhithinn  a'  feuchainn  ri  'n  cumail  o  bhi  a' 


ANNS  A^  CHATHAIU 


3 


bruidhinn  mu  chach  a  cheile,  agus  a'  caineadh 
a  cheile,  ach  cha  robh  sin  fiirasd  a  dheanamh, 
oir  bha  barrachd  is  rud  beag  de'n  olc  anns  an 
dithis.  Cha  chuala  mi  an  dara  te  a'  toirt  a 
h-ainme  do'n  te  eile  riamh  ;  theireadh  iad  "  an 
te  ud  shios."  no  "an  te  ud  shuas."  Bhiodh 
iad  a'  cur  seachad  a'  chuid  mhor  d'  an  iiine  a' 
farchluais  air  a  cheile,  is  cha  chuireadh  an 
dara  te  car  dhi  fad  an  la  gun  f  hios  do  'n  te  eile. 
Ach  is  e  a  thug  orm  tarruing  a  thoirt  orra 
idir,  gu  robh  iad  le  cheile  an  diiil  gu  robh 
Ni-Maith  a'  dol  's  an  eadarginn  anns  an 
draochann  agus  an  dranndan-cogaidh  a  bha 
eatorra.  Na'm  faigheadh  cearc  am  bas  air  te 
dhiubh  theireadh  an  te  eile  gu  soluimte  (ach 
gu  toilichte)  gur  e  breitheanas  o  Dhia  a  bha 
ann.  Cha  mhor  uairean  a  thadhaill  mi  riamh 
orra  nach  cuala  mi  mu  bhreitheanas  air  chor- 
eigin  a  thug  an  Tighearna  air  te  dhiubh  ;  dh' 
ith  measan  beag  coin  a  bha  aig  te  dhiubh 
puinnsean  a  chuir  geamair  a  mach  air  son 
radan,  agus  an  ath  uair  a  chaidh  mi  an  rathad 
bha  aileag  air  an  te  eile  ag  innseadh  dhomh 
mu'n  bhreitheanas  a  thug  Ni-Maith  air  a  bana- 
choimhearsnach  "  air  son  an  diol  a  rinn  mac-a- 
peathar  air  an  uinneig  agam  le  gunna-spiitaidh 
an  oidhche  a  thainig  e  'g  a  amharc."  B' 
aithne  dhomh  an  duine  ud  gu  maith,  leth- 
sheann  duine  cho  ciallach  stolda  's  nach  do  rinn 
e  cron  air  neach  eile  riamh,  ach  bha  am 
boirionnach  Ian  de  dhroch  amharus.  Bhithinn 
a'  feuchainn  ris  an  smuain  mhi-naomh  ud  mu 
bhreitheanas  an  Tighearna  a  chur  a  mach  as 
an  cinn,  ach  bha  e  cho  maith  dhomh  feuchainn 
ri  Meall-fuar-mhonaidh  a  charachadh  as  a 
h-aite. 

Seann  diadhairean 

Tha  am  beachd  so  anabarrach  laidir  agus 
anabarrach  cumanta  am  measg  dhaoine  aineo- 
lach,  agus  eadhon  an  measg  dhaoine  a  fhuair 
sgoil,  gu  bheil  Dia  air  an  taobh  fein  ;  gu  bheil 
e  a'  dol  's  an  eadarginn  anns  gach  tuasaid 
shuarach  a  bhios  eadar  iad  fein  agus  daoine 
nach  toigh  leo,  agus  a'  toirt  breitheanais  orra. 

Bha  agus  tha  am  beachd  so  laidir  am  measg 
nan  Gaidheal,  gu  sonruichte  anns  an  taobh 
Tuath  ;  bha  gniiis  air  a  thoirt  dha  daonnan  leis 
na  diadhairean  agus  na  ministearan  ris  an  abrar 
"  Aithrichean  Rois  ",  o  Mhaighstir  Lachlainn 
an  Loch  Carrann  gus  a'  ghliin  as  fhaide  a  mach 
Agus  tha  gniiis  air  a  thoirt  dha  gus  an  la  an 
diugh  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  ann  an 
aitean  eile  le  daoine  maith.  Ach  air  a  shon  sin 
is  beachd  neo-chriosdail  e  ;  ged  tha  freumh 
de  'n  fhirinn  ann  tha  da  fhreumh  de  neo- 
fhirinn  ann. 

Gun  teagamh  tha  Dia  a'  toirt  breith  air  an 
t-saoghal  agus  air  daoine  gun  sgur,  oir  is  e 
laghannan  Dhe  a  tha  ag  oibreachadh  anns  an 
t-saoghal  agus  a'  toirt  a  mach  an  ceann-criche. 


Is   e   ceartas    agus    breitheanas    bunait   do   7-igh- 

chathrach 
Is  cruaidh  slighe  luchd-easaontais 
Is  e  tuarasdal  a'  pheacaidh  am  bas 
Ged  dh'  iadhadh  lamh  mu  laimh  cha  bhi  an  t-aingidh 

gun  pheanas. 

Slighe  luchd-easaontais 

Tha  na  laghannan  sin  ann  an  aoraibh  a' 
chruthachaidh  cho  diongmholta  's  nach  tig 
atharrachadh  orra  gu  brath,  agus  do  bhrigh 
gur  e  na  laghannan  sin  toil  Dhe,  agus  gu 
bheil  iad  a'  foillseachadh  a  naduir  agus 
fhireantachd,  tha  a  fior  anns  an  t-seagh  sin  gu 
bheil  Dia  a'  toirt  breitheanais  air  daoine. 
Ach  bhitheadh  e  eadhon  na  b'  fhire  a  radh 
nach  'eil  ann  am  breitheanas  Dhe  ach  so, 
peacadh  no  aingidheachd  dhaoine  ag  oibre- 
achadh gu  an  ceann-criche  fein.  Tha  sin 
a'  dol  air  aghaidh  gun  sgur,  is  theid  e  air 
aghaidh  gu  brath  do  bhrigh  gu'n  do  rinn  Dia 
an  saoghal  mar  sin. 

Tha  moran  dhaoine  a'  breabadh  an  aghaidh 
nan  dealg  a  chionn  gu'n  d'  fhuair  iad  a 
mach  o  fhiosrachadji  am  beatha  fein,  "  gu 
bheil  sUghe  luchd-easaontais  cruaidh,"  ach 
na'm  faigheadh  na  daoine  sin  am  miann 
dh'  fheumadh  an  saoghal  a  bhi  air  a  chruth- 
achadh  as  tir  agus  air  dhoigh  eile  seach  mar 
tha  e,  a'  foillseachadh  fireantachd  Dhe.  Tha 
e  ceart  gu  leor  a  bhi  teagasg  gu  bheil  Dia  a' 
toirt  breitheanais  air  daoine  agus  air  riogh- 
achdan  anns  an  t-seagh  sholuimte  so,  ach  chan 
'eile  ceart  no  iomchuidh  a  bhi  toirt  gniiis  do 
sheanchas  dhaoine  nach  'eil  a'  tuigsinn  olcas 
is  amaideas  an  smuaintean  fein  an  uair  a 
their  iad  gur  e  breitheanas  Dhe  a  bha  anns  a' 
Chogadh  Mhor  a  chionn  nach  robh  muinntir 
Ghlaschu  a'  coimhead  na  Sabaid,  no  gu'n  robh 
balach  air  a  mharbhadh  le  carbad-iiilidh  mar 
bhreitheanas  air  a  pharantan  a  chionn  nach 
robh  iad  a'  dol  do'n  choinneamh-iirnuigh,  no 
gu  robh  neach  eile  air  a  bhathadh  a  chionn 
gu'n  do  rinn  na  daoine  a  bhuineadh  dha  sud 
no  so. 

Tha  e  leanabail  a  bhi  smuaineachadh  air 
Dia  agus  air  freasdal  Dhe  anns  an  doigh  so, 
ach  gle  bhitheanta  chan  e  leanabalachd  a 
mhain  ^  aobhar  dha  ach  mi-riin,  agus  droch- 
amharus,  agus  farmad ;  am  mi-riin  agus  am 
farmad  a  bha  ann  an  cridhe  na  dithis  ud. 


Tha  moran  naidheachdan  anns  a'  Bhiobull 
ag  innseadh  mu  bhreitheanas  a  thainig  air 
daoine  air  son  rud  air  choreigin  a  rinn  iad. 
Bha  na  h-Iudhaich  a'  creidsinn  ann  am 
breitheanas,  anns  an  t-seagh  anns  an  robh  na 
boirionnaich  ud  a'  creidsinn  ann,  a  cheart  cho 
maith  ruinn  fhein.  Tha  cuid  de  na  naidh- 
eachdan a  gheibhear  uime  so  gle  dhuilich  an 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE 


laimhseachadh,  gun  amharus  a  dhusgadh  ann 
an  inntinnean  amharusach  gu  bheilear  a'  cur 
teagaimh  ann  am  Facal  Dhe.  Bu  mhaith  learn 
duine  a  tha  'n  a  Fhundamentalist  a  muigh  's  a 
mach  a  chluinntinn  a'  mineachadh  nan  naidh- 
eachdan  so,  agus  a'  tarruing  teagaisg  asda, 
(1)  do  chloinn,  agus  (2)  do  dhaoine  a  thainig 
gu  Ian  thuigse  ;  an  naidheachd  mu'n  chloinn  a 
bha  air  an  reubadh  le  da  mhath-ghamhuin 
bhoirionn  a  chionn  gu'n  do  ghlaodh  iad,  Ceann- 
maol  ri  Elisa  (2  Righ  ii.  23-24)  ;  an  naidheachd 
mu  sgrios  Shodoim  agus  Ghomorrah  (Genesis 
xix.)  ;  an  naidheachd  mu  Ghehasi  (2  Righ  v.)  ; 
an  naidheachd  mu  Ananias  agus  Saphira 
(Gniomharan  v.). 

Tha  fhios  agam  ciamar  a  laimhsichinn  fhein 
na  h-earrannan  sin  de'n  Sgriobtur,  ach  ged 
tha  urram  agam-sa  do'n  Bhiobull  mar  Fhacal 
an  Tighearna  chan  e  Fundamentalist  a  tha 
annam,  is  bu  mhaith  learn  Fundamentalist 
a  chluinntinn  'g  am  mineachadh,  oir  tha 
amharus  agam  nach  biodh  'n  a  theagasg  ach 
ceart  bheachdan  nam  boirionnach  olc  ud,  na'n 
seasadh  e  air  an  litir  luim. 

Reubadh  na  cloinne 

Tha  e  soilleir  o'n  doigh  anns  a  bheil  an 
naidheachd  so  air  a  h-innseadh  gu  robh  am  fear 
a  sgriobh  i  a'  creidsinn,  agus  a'  creidsinn  'n  a 
chridhe  agus  'na  choguis,  gur  e  Dia  a  thug 
breitheanas  air  a  chloinn  a  chionn  gu'n  do 
ghlaodh  iad  gu  miomhail  as  deidh  an  fhaidh, 
oir  tha  e  ag  radh,  "  mhallaich  e  iad  ann  an  ainm 
an  Tighearna,  agus  thainig  da  mhath-ghamhuin 
bhoirionn  a  mach  as  a'  choille,  agus  reub  iad 
a  dha  agus  da  fhichead  duine  cloinne  dhiubh." 
Ach  cha  ruig  ar  coguis  leinne  an  diugh  a 
chreidsinn  gu  robh  e  ceart  no  uasal  do'n 
fhaidh  a  chlann  a  mhallachadh,  no  gur  e  Dia 
a  chuir  na  briiidean  ud  'g  an  reubadh,  a  chionn 
gu  bheil  ar  coguis  air  a'  soillseachadh  le  teagasg 
Chriosd  agus  gu  bheil  eolas  as  airde  agus  as 
cothromaiche    againn    air    Dia.     Teagasg    air 


bith  nach  'eil  ag  ardachadh  ceartas,  agus  gliocas, 
agus  caomhalachd,  agus  uaisle  Dhe,  sin  teagasg 
ris  nach  urrainnear  gabhail.  Cha  duine  Dia, 
nach  rachadh  aige  air  srian  a  chur  air  a 
chorruich  a  chionn  gu'n  do  ghabh  balaich 
ghorach  far-ainm  air  a  sheirbhiseach. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  'eil  an  naidh- 
eachd fior  ;  tha  dreach  na  firinn  air  a'  chuid 
sin  dhi  a  tha  ag  innseadh  gu'n  deachaidh  a' 
chlann  as  deidh  an  fhaidh,  a  ghlaodhach 
Ceann-maol  ris  ;  gabhaidh  e  creidsinn  cuideachd 
gu'n  do  ghabh  am  faidh  an  fhearg,  agus  gu'n 
do  mhallaich  e  iad  ann  an  ainm  an  Tighearna 
(ged  nach  robh  sin  uasal  dha  a  dheanamh)  ; 
theagamh  gu  robh  cuimhne  anns  an  diithaich 
air  reubadh  a  thachair  a  bhi  air  a  dheanamh 
air  cloinn  aig  an  am  ud  le  da  mhath-ghamhuin 
fhiadhaich,  agus  a  chuir  crith  air  feoil  dhaoine. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  sin  uile  fior,  ach 
is  ann  ann  an  inntinn  an  fhir  a  sgriobh  i,  agus 
a  thoisich  air  an  dara  rud  a  chur  ris  an  rud  eile, 
a  ghabh  an  naidheachd  an  car  cearr,  oir  bha  e 
fhein  agus  a  shinnsear  roimhe  a'  creidsinn  gu 
robh  Dia  ag  oibreachadh  mar  sud,  agus  a' 
toirt  breitheanais  air  cloinn  a  chionn  nach  robh 
iad  umhail  d'am  parantan,  no  siobhalta  ri 
faidhean. 

Chan  abair  mi  nach  robh  so  'na  oide-foghluim 
a  threorachadh  dhaoine  gu  Dia  ann  an  6g- 
mhaduinn  an  t-saoghail  ;  chan  abair  mi  na's 
mo  gu'n  dean  rud  beag  de'n  mhaoidheadh  so 
cron  do  chloinn,  ma  tha  inntinn  fhallan  aca  gu 
nadurra,  oir  fasaidh  inntinn  fhallan  a  beachdan 
leanabail  mar  a  dh'  fhasas  clann  fhallan  as  an 
aodach,  ach  an  uair  a  gheibh  thusa,  a  leugh- 
adair,  freumh  de'n  inntinn  ud  annad  fhein  a 
bha  anns  an  da  sheana  bhean  ud,  no  ghlacas 
tu  thu  fhein  a'  smuaineachadh  gur  e  breitheanas 
a  tha  ann  o  Dhia  air  do  choimhearsnach  gu'n 
do  bhris  e  a  chas,  no  gu'n  do  chaill  e  mart  no 
each,  no  gu'n  deachaidh  a  bhean  aige  as  a 
chruachan,  a  chionn  gu  robh  esan  a'  cluich  air 
cairtean  air  la  na  Sabaid,  tha  an  t-am  agad  do 
smuaintean  mu  Dia  atharrachadh. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi  a' 
^bruidhinn  air  leabhar  gasda  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  Mairearad  Mairi  Leigh  mu'n 
oidhirp  a  rinn  i  air  tuathanachas  ann  an  Ach- 
nam-bo.  Ciod  an  comharradh  air  tuathanach 
maith  ?  Theirear  gu  bheil  duine  'n  a  thuath- 
anach  maith  ma  theid  aige  air  buannachd  a 
thoirt  as  an  talamh  ;  mar  is  mo  a  bhuannachd 
is  ann  is  fhearr  an  tuathanach.  Theirear  gu 
bheil  duine  'n  a  thuathanach  maith  cuideachd 
ma  tha  e  a'  mathachadh  an  fhearainn  ;  'g  a 
fhagail  na's  fhearr  na  fhuair  e  e,  agus  a'  toirt 


da  thunna  feoir  as  an  aite  anns  nach  robh  ach 
aon  tunna  a'  fas  roimhe.  Tha  eagal  orm  nach 
robh  gin  de  na  comharraidhean  sin  ri  fhaicinn 
air  an  tuathanachas  a  bha  dol  air  aghaidh  an 
Ach-nam-bo,  ach  mur  robh,  bha  a'  bhan- 
tuathanach  a'  faotainn  solais  agus  toil-inntinn 
as  a  beatha,  agus  ciod  is  fhearr  na  sin  ?  Their- 
inn-sa  gur  tuathanach  maith  duine  air  bith 
aig  a  bheil  gaol  air  an  talamh  agus  a  tha 
faotainn  solais  d'a  chridhe  le  bhi  'g  a  oibrea- 
chadh, is  theirinn  droch  thuathanach  ris  an 
duine    aig   a   bheil   ealadhain   air   buannachd 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


fhaotainn  as  an  talamh  ach  nach  'eil  a'  faotainn 
solais  as  ;  a  dh'  fheumas  dol  do  thigh-nan- 
dealbh  a  dh'  iarraidh  solais. 

Droch  thuathanacM 

Cha  robh  na  Gaidheil  riamh  maith  air 
oibreachadh  an  fhearainn,  is  chan  'eil  iad 
maith  air  an  diugh  fhathast.  Is  fhearr  leo 
sealgaireachd,  is  ciobaireachd,  is  iasgach,  no 
obair  eile  a  ghabhas  deanamh  'na  greisean, 
seach  a  bhi  air  an  ceangal  ri  spagan  croinn 
naoi  uairean  a  h-uile  la,  agus  se  laithean  de'n 
t-seachduin.  Is  ann  gle  annamh  a  chi  thu 
gillean  oga  as  a'  Ghaidhealtachd  an  lar,  no 
as  na  h-Eileanan  an  lar,  a'  dol  gu  obair-fearainn 
anns  an  taobh  Deas,  ged  a  bhitheadh  e  furasda 
gu  leor  dhaibh  aite  fhaotainn.  Is  fhearr  leo 
dol  gu  muir,  no  a  dh'  obair  ann  an  garage,  no 
greis  a  thoirt  aig  obair  inntinneach  eile,  seach 
a  bhi  ag  obair  air  an  f  hearann  fad  finn  foinneach 
na  bliadhna,  gun  fhois  gun  tiobradh.  Sin 
traillealachd  nach  toigh  leo  idir  is'fagaidh  iad 
i  gu  toileach  aig  muinntir  Obar-eadhain.  Ach 
tha  a'  bhuil  ri  fhaicinn.  Ma  theid  thu  air 
thurus  do  shiorramachd  Obar-eadhain  chi  thu 
coltas  na  sgoinne  air  aghaidh  na  diithcha  ; 
achaidhean  glana,  is  tighean  sgiobalta,  is 
feansaichean  is  garraidhean  'n  an  seasamh.  Ach 
ma  theid  thu  air  thurus  do'n  Ghaidhealtachd, 
no  do  na  h-Eileanan,  chan  'eil  e  gu  mughadh 
c'  aite,  chi  thu  coltas  na  mi-sgoinne  ;  bealaich 
ann  an  garraidhean  air  an  caradh  le  cinn- 
leapachan ;  tuill  ann  an  uinneagan  air  an 
lionadh  le  pocanna  no  le  connlach  ;  buntata  air 
a  thacadh  le  salchar,  cairtean  is  innealan  is 
acfhuinn  a'  sgailceadh  fo'n  ghrein  far  an 
d'  fhagadh  iad  a  mach  aig  ceann  iomaire,  no 
a'  dol  as  a  cheile  le  cion  peant. 

Uine  gu  leor 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  gu  bheil  na  Gaidh- 
eil na's  leasga  na  daoine  eile,  ach  faodaidh 
daoine  nach  'eil  leasg  a  bhi  'n  an  tamh  a  chionn 
nach  'eil  iad  a'  faicinn  gu  bheil  dad  ri  dheanamh. 
Croitean  beaga,  agus  droch  shid,  agus  cion 
doigh,  sin  tri  nithean  a  tha  ag  aobharachadh 
moran  de'n  mhi-sgoinn  a  chi  thu  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd. SaoiUdh  daoine  a  tha  air  an  deagh 
dhoigh  gur  ann  mar  is  miosa  doigh  duine  eile, 
agus  mar  is  miosa  an  t-sid,  agus  mar  is  lugha 
a'  chroit,  is  dichiollaiche  a  bu  choir  dha  a 
bhith.  Ach  chan  ann  mar  sin  a  tha  ;  bheir 
bochdainn  agus  cion  doigh  an  cridhe  a  daoine 
an  aite  sprachd  a  chur  'n  an  iosgaidean.  Nach 
trie  a  chi  thu  anns  a'  Ghaidhealtachd  daoine 
laidir  a'  cur  seachad  cuid  mhaith  de  'n  latha, 
an  druim  ri  balla  agus  an  lamhan  'n  am  pocanna, 
a'  seanchas  agus  a'  smogadh,  mar  nach  robh 
dad  ri  dheanamh  !  Na  h-abair  gur  ann  leasg 
a  tha  iad  ;  tha  iad  'n  an  tamh  a  chionn  nach 
'eil  iad  a'  faicinn  gu  bheil  dad  ri  dheanamh, 


agus  a'  gabhail  an  t-saoghail  gu  reidh  a  chionn 
gu'm  bi  cuisean  mar  a  bhitheas  iad  co  dhiu  air 
a'  cheann  mu  dheireadh.  Theagamh  gu'm 
faiceadh  siiil  Obar-eadhanaich  fichead  rud  a 
bha  ri  dheanamh,  ach  cha  bhi  an  t-Obar- 
eadhanach  fhein  fada  anns  a'  Ghaidhealtachd 
gus  am  fas  e  coltach  ruinn  fein.  Tha  a'  bhuaidh 
sin  aig  gaoth  bhog  bhlath  na  h-aird  an  lar  air 
coigrich  ;  cuiridh  i  rud-eigin  diomhair  'n  an 
cnamhan  agus  'n  am  fuil  a  dh'  atharraicheas 
am  beachdan  agus  an  doighean  m'  am  bi  iad 
fada  'n  ar  measg.  "  Ma  dh'  fhoighnicheas  tu," 
arsa  bean  Ach-nam-bo,  "  de  dhuine  a  tha  ag 
obair  dhuit  anns  an  aite  so  an  teid  aige  air  an 
obair  a  chriochnachadh  an  iiine  shonruichte 
seallaidh  e  ort  le  ionghnadh,  is  freagraidh  e  gu 
reidh  min."  "  Gu  de  a'  chabhag  a  tha  ort  ?  " 
Theagamh  gu'n  abair  e  gu  bheil  aige  ri  dol  gu 
tiodhlacadh  coimhearsnaich  am  maireach,  agus 
an  earar,  ma  bhios  la  maith  ann,  gu'm  feum  e 
greis  a  thoirt  a'  gearradh  moine  comhla  ri 
Alasdair  Iain,  no  dol  a  mach  a  chur  lion 
comhla  ri  Aonghus  Sheumais,  ach  mar  is  trice 
chan  abair  e  ach  sud,  "  Gu  de  a'  chabhag  a  tha 
ort  ?  "  ceist  nach  'eil  freagradh  dhi  ann.  A 
cheart  dha-rireadh,  car  son  a  bhitheadh  duine 
ach  duine  gun  chi  all  'n  a  chabhaig  ?  " 

Cabhag  nan  Gall 

Ged  a  thug  i  an  aire  do  'n  fhaihng  bheag  so 
'n  ar  luchd-diithcha  chan  'eil  i  a'  bruidhinn 
umpa  gu  magail  no  gu  taireil  ;  'na  aite  sin  tha 
e  furasd  a  thuigsinn  o'n  leabhar  so  gu'm  bu 
toigh  leatha  a  coimhearsnaich.  Ach  bha  fuil 
Shasunnach  innte,  is  chan  'eil  e  furasda  do 
Shasunnaich  an  saoghal  a  ghabhail  gu  reidh. 
Tha  na  tha  iad  ag  itheadh  de  f  heoil  a'  cur  uiread 
teas  annta  's  nach  urrainn  dhaibh  suidhe  gu 
samhach  a  sheanchas  ;  feumaidh  iad  a  bhi  ag 
obair  ged  nach  biodh  iad  ach  a'  deanamh  cron. 
Ach  chan  ann  mar  sin  a  tha  na  daoine  againne  ; 
bu  chaomh  leo  riamh  seanchas  is  ceilidh  is 
saorsa  seach  cuing  agus  crois  na  h-oibre. 
Agus  CO  aige  tha  fhios  nach  'eil  iad  na's  glice 
anns  a'  chuid  so  na  na  Goill  a  bhios  a'  call  an 
sithe  agus  an  analach  le  ro-churam  agus  ro- 
chabhag  ? 

Tha  an  leabhar  so  Ian  de  nithe  maithe  a 
chumas  inntinn  an  leughadair  air  ghluasad  gun 
sgur  ;  tha  rud-eigin  air  a  h-uile  duilleig  a  dh' 
iiraicheas  do  chuimhne  air  ciirsa  na  bliadhna 
air  croit  anns  a'  Ghaidhealtachd  an  lar,  agus 
air  na  laithean  sona  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  aig 
daoine  na'n  toilicheadh  iad  iad  fein  leis  an 
t-seorsa  beatha  a  tha  ri  fhaotainn  air  croit. 
Ach  tha  eagal  orm  nach  bi  an  oigridh  toilichte 
le  croit  an  diugh  ;  is  maith  leo  airgiod  uUamh 
a  bhi  aca,  an  tuarasdal  fhaotainn  Di-sathuirne, 
agus  na  feasgair  a  bhi  aca  mu  reir.  Cha 
fhreagair  sin  air  croit. 


6     ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE-AN  FHEADHAINN  NACH  M  AIRE  ANN 


Diu  nan  tuathanach 
Anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns  na 
h-Eileanan  tha  moran  chroitean  a'  tuiteam  air 
seann  seoladairean,  daoine  a  dh'  fhag  an 
dachaidh  trath  agus  a  chaidh  gu  muir,  ach  a 
thill  dhachaidh  a  ris  a  thighinn  beo  air  a'  chroit 
'nuair  a  shiubhail  an  athair.  Tha  an  seorsa 
sin  daonnan  'n  an  droch  thuathanaich.  Bha 
cho  maith  dhuit  cleireach  no  gualadair  a  chur 
air  fearann  riu.     Na'n  deachaidh  iad  a  mach 


air  a'  Ghalldachd  'n  an  sgalagan  no  'n  an 
treabhaichean,  an  aite  dol  gu  fairge,  bhitheadh 
e  na  b'  fhearr  do'n  chroit.  Na'n  cuireadh 
Bord  an  Fhearainn  cuid  de'n  airgiod  a  tha  iad 
a'  cosd  air  croitean  ura  a  theagasg  na  feadhnach 
aig  a  bheil  croitean  cheana  ciamar  a  bu  choir 
dhaibh  an  oibreachadh  gu  sgoinneil  cha  bu 
mhisd  an  diithaich  e.  Tha  moran  de  dhroch 
thuathanachd  am  measg  chroitearan  na  Gaidh- 
ealtachd. 


Dhia  gleidh  an  rlgh 


Is  treasa  tuath  na  tighearn,  is  treasa  riogh- 
achd  na  righ ;  a  chionn  gu  bheil  sin  fior  tha 
righ  iir  air  a'  chrun.  Chan  'eil  aobhar  moran  a 
radh  air  an  duilleig  so  mu'n  chuis  ;  cha  robh 
an  rud  air  a  dheanamh  an  uaigneas,  is  tha  fhios 
aig  a  h-uile  duine  anns  an  rioghachd  gur  e  a 
ghoraiche  fein  a  chuir  an  righ  bharr  a'  chriiin, 
a  dh'  aindeoin  a'  ghaoil  a  bha  aig  daoine  air, 
agus  a  dh'  aindeoin  gu  robh  e  'n  a  dhuine 
laghach,  sunndach,  gun  mheud-mhor  no  spag- 
lainn.  Cha  bu  mhisd  e  fein  ged  bhitheadh  e  na 
bu  mhorchuisiche  na  bha  e. 

Tha  an  t-am  aig  duine  a  rainig  da  fhichead 
bhadhna  fas  glic  agus  suidhichte,  ach  an  aite 
fas  na  bu  ghUce  agus  na  bu  shuidhichte  na  bha 
e  'n  a  bhalach,  is  ann  a  bha  an  righ  a'  fas  na  b' 
aotruime,  agus  na  b'  f  haoine,  agus  na  bu  shuarr- 
aiche  air  na  nithean  a  tha  urramach  is  fior- 
ghlan.  Ach  ged  bha  esan  agus  na  gaotharain 
a  bha  timchioll  air  suarrach  air  na  nithean  sin 
bha  a'  chuid  mhor  de  mhuinntir  na  duthcha  so 
air  an  narachadh  agus  air  an  goirteachadh  gu 
robh  e  a'  cumail  suas  ri  te  nach  robh  a  bheag  na 
b'  fhearr  na  bean  Shamaria  agus  a'  cur  roimhe 
a  posadh.  Anna  na  laithean  so  tha  an  diithaich 
gu  maith  faidhidinneach  agus  fulangach  ri 
beachdan  neonach  agus  fasain  neonach,  ach 
sud  rud  nach  fulaingeadh  i  eadhon  do'n  righ. 


Mar  sin  rinn  Mghr  Stanley  Baldwin  agus  a' 
Pharlamaid  an  dleasdanas  gu  reidh  ciallach, 
agus  ged  bha  iad  duilich  air  son  an  righ  agus 
duilich  nach  gabhadh  e  comhairle,  mheas  iad 
gu'm  b'  fhearr  leo  righ  iir  a  chur  air  a'  Chrun 
seach  Criin  Bhreatuinn  a  chall  an  urraim  agus 
an  uaisle  a  bhuineas  dha. 

Tha  an  righ  iir  'n  a  dhuine  glic  cliiiiteach  ; 
tha  a'  Bhanrigh  cho  gasda  ris  fhein,  agus  chan 
fhada  gus  am  bi  a'  char  aid  rioghail  so  air  an 
suidheachadh  ann  am  meas  agus  an  urram  an 
t-sluaigh  cho  dionghmhalta  's  a  bha  athair  agus 
a  mhathair.     Agus  foghnaidh  sin. 

Na'm  biodh  iad  glic  ghabhadh  a'  ghineal  bg 
rabhadh  o  na  guthan  a  tha  iad  a'  cluinntinn  anns 
na  laithean  so,  agus  gu  sonruichte  a'  chuid  sin 
dhiubh  a  tha  an  diiil  nach  ruig  iad  a  leas  geill  a 
thoirt  do  lagh  air  bith  no  do  f  hasan  air  bith  ach 
an  lagh  agus  am  fasan  a  chordas  riu  fein  ;  an 
oigridh  a  tha  dol  mu'n  cuairt  dearg  ruisgte,  agus 
a'  deanamh  uaill  as  an  lomnochd  ;  fir  agus 
mnathan  ag  61  agus  a'  smogadh,  a'  dannsadh 
agus  a  snamh  comhla,  mar  gu'm  bu  ghaisge 
dhaibh  a  bhi  dol  air  mhire  gun  bheusalachd  ; 
na'n  robh  iad  ghc  chitheadh  iad,  ged  thatar  'g 
am  fulang,  gu  bheilear  'g  am  fulang  mar  ghao- 
tharain  amaideach  anns  nach  'eil  fearalas  no 
banalas,  agus  air  a  bheil  daoine  ceart  a'  deanamh 
tair  'n  an  cridhe. 


An  Fheadhainn  nach  maireann 


ANN  an  November  thainig  am  bas  air  triiiir 
-mhinistearan  Gaidhealach  ;  air  dithis  dhiubh 
gu  h-aithghearr. 

DomhnuU  DomhnuUach 

Ged  bha  mise  agus  Domhnull  DomhnuUach 
air  ar  n-arach  anns  an  aon  eilean  cha  robh  eolas 
idir  agam  air,  is  tha  mi  an  dull  nach  do  thachair 
sinn  riamh  air  a  cheile.  Bha  e  air  oileanachadh 
ann  an  Collaist  Ghlaschu,  is  chuir  e  seachad  a' 
chuid  mhor  d'a  mhinistrealachd  am  Port-na-h- 
abhann  an  lie.  Bho  chionn  ceithir  no  coig  de 
bhliadhnachan  bha  e  air  a  ghairm  do  sgir  a 
dhiichais,  Hinipol,  an  Tiriodh  ;  comharradh 
maith  gu'm  bu  toigh  leis  an  t-sluagh  e.  Thainig 
am  bas  air  gu  h-obann. 


Coinneach  Mac  Ritchie,  B.D.,  F.S.A. 

Leodhasach  a  chuir  seachad  a'  cheud  chuid 
d'a  laithean  a'  teagasg  ann  an  sgoil.  An  sin 
chaidh  e  do  Chanada,  far  an  robh  e  air  ullachadh 
air  son  na  ministrealachd  an  Collaist  Knox,  an 
Toronto.  Shaothraich  e  ann  an  eaglais  no  dha 
an  Canada  m'  an  tainig  e  air  ais  do'n  diithaich 
so.  Bha  e  air  a  shuidheachadh  anns  an  eaglais 
Shaoir  Aonaichte,  an  Torryburn,  ach  an  sin 
chaidh  e  do  sgir  Lairg,  an  Cataibh,  far  an  robh 
meas  mor  aig  a  choimhthional  fhein,  agus  aig 
coimhearsnaich,  air.  Bha  e  'n  a  sgoilear  maith 
agus  'n  a  mhinistear  maith  ;  sunndach  agus 
baigheil  'n  a  nadur  agus  'n  a  dhoighean.  Bha 
iiigh  aige  ann  an  iomadh  rud  a  thuilleadh  air 
fhior  obair  fhein;    ann  an  riaghladh  sgoilean, 


AN  FHEADHAINN  NACH  MAIREANN— AIG  AN  UINNEIG 


ann  an  seann  eachdraidh,  agus  ann  an  gair^ 
nealaireachd.     Cha  robh  e  tinn  ach  tri  laithean. 

Diighall  Mac  Gilleathain 

Ileach  a  bha  air  oileanachadh  an  Oil- thigh 
Ghlaschu  agus  air  a  shuidheachadh  an  Ceann 
Loch  Speilbhe,  am  Muile,  an  1888.  A  Muile 
chaidh  e  do  Hinipol,  an  Tiriodh,  an  1890  ;  dh' 
fhag  e  Tiriodh  is  chaidh  e  do  Ghearr-loch  an 
I9O6  ;  an  1914  dh'  fhag  e  Gearr-loch  is  chaidh 
e  do  sgir  Albhaidh,  an  Cleir  Obar-neithich. 
Bho  chionn  dha  no  tri  bhhadhnachan  bhris  air 
a  shlainte  is  leig  e  dheth  a  dhreuchd.  Bha  e 
coig  deug  is  tri  fichead  a  dh'  aois. 

B'  aithne  dhomh-sa  Dtighall  Mac  Gilleathain 
gu  maith,  is  cha  robh  moran  mhinistearan  anns 
an  eaglais  air  an  robh  barrachd  meas  agam ; 
duine  maith,  agus  duine  grunndail,  agus  duine 
air  an  robh  coslas  a  dhreuchd  daonnan.  B'e  an 
rud  a  bu  mhiosa  a  rinn  e  riamh  Tiriodh  fhagail 
(far  an  robh  gean-maith  agus  cluas  na  diithcha 
uile  aige)  a  dhol  suas  do  Ghearr-loch  far  nach 
robh  e  ach  mar  ghiith  ag  eigheach  anns  an 
fhasach.  Bha  e  'n  a  mhinistear  soisgeulach 
agus  'n  a  f  hear-teagaisg  ordail  ;  is  bha  e  f  hein 
agus  a  bhean  le  cheile  anabarrach  eudmhor  ann 
an  obair  na  h-eaglais,  gu  sonraichte  am  measg 
nan  Gaidheal  anns  na  bailtean-iasgaich. 

Alasdair  Mac  Gilleathain,  B.D. 

Goirid  an  deidh  dhomh  sgriobhadh  mu'n 
triiiir  a  dh'  ainmich  mi  thainig  naidheachd-bais 
an  Urramaich  Alasdair  Mac  Gilleathain,  B.D., 
an  sgir  Dheibhidh,  an  lonar-nis,  agus  gun  diiil 


rithe  ;  aon  de  na  ministearan  Gaidhealach  air 
am  b'  eolaiche  muinntir  Ghlaschu. 

Ged  a  rugadh  e  ann  an  Srath-churra  b'  e  leth 
Thirisdeach  is  leth  Chollach  a  bha  ann  a  thaobh 
a  dhaoine.  Bha  e  air  oileanachadh  ann  an 
CoUaist  Ghlaschu  ;  air  a  shuidheachadh  anns 
an  Tairbeart  an  19IO  ;  tri  bHadhna  na  dheidh 
sin  chaidh  e  do  Shettleston,  an  Glaschu,  far  an 
do  shaothraich  e  naoi  bliadhna.  An  1922  fhuair 
e  gairm  do  sgir  Dheibhidh,  far  an  robh  brathair- 
a-mhathar,  Alasdair  Stiiibhard,  'n  a  mhinistear 
roimhe.  Do  dhuine  a  bha  naoi  bliadhna  ann  an 
Shettleston  (aite  ris  nach  do  theoigh  mo  chridhe 
riamh  a  chionn  gu'n  do  mharbh  e  Eachunn 
Mac  Fhionghuin)  bha  Deibhidh  mar  a  tha 
acarsaid  Thobar  Mhoire  do  bhataichean  a  bha 
mach  ri  an-uair  anns  a'  Chuan  Bharrach. 

Bha  Alasdair  Mac  Gilleathain  'n  a  fhear- 
labhairt  maith  ;  bha  doigh-labhairt  agus  doigh- 
sgriobhaidh  dha  fhein  aige,  doigh-sgriobhaidh 
a  bha  a'  cordadh  ris  na  Goill  anabarrach  maith. 
Bho  chionn  bhhadhnachan  chuir  e  a  mach  cuid 
d'a  shearmoin  ann  an  leabhar,  is  bha  an  leabhar 
sin  air  a  mholadh  le  iomadh  seorsa  dhaoine. 
Bho  chionn  mios  no  dha  bha  cuid  d'a  obair  ann 
an  duilleagan  Beurla  an  leabhair  so,  is  theagamh 
gu'm  bi  e  a'  labhairt  ann  air  an  ath  mhios 
cuideachd,  ged  tha  e  marbh. 

Cha  robh  ann  ach  duine  bg  ;  bg  ann  an  suilean 
mo  ghineil-sa  co  dhiu  ;  na  'n  d'  fhuair  e  sineadh 
laithean  bha  e  dol  a  thoirt  tuilleadh  d'a  obair 
am  follais. 

Bha  e  daonnan  eudmhor  air  taobh  a  dhiithcha 
agus  cainnt  a  dhtithcha. 


Aig  an  Uinneig 


Moderator  na  h-Eaglaise  Saoire 

BHA  moran  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  toilichte 
(mi  fhein  'n  am  measg)  an  uair  a  chuala  sinn 
gur  e  an  t-Ollamh  Domhnull  Mac  Gilleathain, 
an  Collaist  Dhtm-eideann,  a  bha  air  a  shon- 
rachadh  leis  an  Eaglais  Shaoir  gu  bhi  'n  a 
Cheann-suidhe  anns  an  Ard  Sheanadh  am 
bliadhna.  So  an  dara  uair  a  chuireadh  an 
t-urram  sin  air,  is  chan  'eil  duine  eile  anns  an 
eaglais  as  fhearr  an  airidh  air,  oir  tha  e  fhein 
agus  an  t-Ollamh  Iain  Mac  Leoid,  agus  an 
t-Ollamh  Alasdair  Stiubhard,  anns  an  Eaglais 
Shaoir  mar  bha  an  triiiir  dhaoine  treuna  a  bha 
aig  Daibhidh. 

Tha  e  'n  a  thoileachadh  do  mhuinntir  na 
Gaidhealtachd  gu  sonruichte,  a  chionn  gu  bheil 
Domhnull  Mac  Gilleathain  'n  a  fhear-diithcha 
maith  agus  'na  sgoilear  maith,  eolach  air 
eachdraidh  agus  air  cainnt  ar  sluaigh. 

Co  aige  a  tha  fhios,  an  uair  a  thoisicheas  e 
fhein  agus  an  t-Ollamh  Diighall  Mac  Pharlain 
air  am  beic  a  dheanamh  do  chach  a  cheile,  nach 
ann  a  theid  iad  troimh  na  modhannan  ann  an 


Gaidhlig  !  Ach  ged  tha  gaol  gu  leor  agam-sa 
air  a'  Ghaidhlig  tha  rud  eile  ann  a  tha  na's 
doimhne  'n  am  chridhe  na  gaol  na  Gaidhlige, 
gaol  na  h-eaglais  agus  cor  na  diadhaidheachd 
anns  a'  Ghaidhealtachd.  Na'n  rachadh  aig 
Domhnull  Mac  Gilleathain  air  an  Eaglais  Shaor 
agus  an  Eaglais  Shaor  Chleireachail  a  tharruing 
ri  cheile,  air  chor  agus  gu'm  bitheadh  aon  eaglais 
anns  a'  Ghaidhealtachd  na's  lugha  na  tha  ann, 
gheibheadh  e  beannachd  dhaoine  maithe  ann 
an  Eaglais  na  h-Alba  a  thuilleadh  air  beann- 
achd a  dhaoine  fein.  Agus  na  b'  fhearr  na 
sin  uile  gheibheadh  e  beannachd  an  Tighearna. 
A  bheil  fhios  agad,  a  leughadair,  cia  meud 
seorsa  eaglais  a  tha  ann  an  Ceann  Loch  Gilb  ? 
Tha,  seachd  ;  rud  a  chuireas  'n  ad  chuimhne  aite 
eile  a  tha  an  Ceann  Loch  Gilb. 

Am  balla-meadhoin 

Ged  tha  Eaglais  na  h-Alba  agus  an  Eaglais 
Shaor  dliith  gu  leor  d'a  cheile  a  thaobh  an 
teagaisg  agus  a'  chreidimh  a  tha  iad  ag  aideach- 
adh,  agus  an  t-soisgeil  a  tha  iad  a'  searmon- 
achadh,   tha   iad   cho   fada   o   cheile   ann   an 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


doighean  eile  's  nach  'eil  feum  ami  a  bhi  bruidh- 
inn  air  an  tarruing  ri  cheile  anns  a'  ghineal  so 
CO  dhiu.  Chan  e  an  aon  inntinn  a  tha  aig  an 
da  shluagh  a  thaobh  nithean  eile  nach  buin  gu 
ceart  do'n  Chreideamh  no  do'n  diadhaidheachd 
idir,  agus  is  e  an  dealachadh  sin  a  tha  eatorra 
'n  an  gne,  'n  an  eachdraidh,  'n  an  oilean,  agus 
'n  an  inntinnean,  a  tha  'na  bhalla-meadhoin  cho 
ard  agus  cho  laidir  eatorra  's  nach  bitheadh  ann 
ach  call-uine  feuchainn  ri  leagail. 

Ach  ged  tha  am  balla  ard  so  eadar  Eaglais 
na  h-Alba  agus  an  Eaglais  Shaor  chan  airde  am 
balla  a  tha  eadar  an  Eaglais  Shaor  agus  an 
Eaglais  Shaor  Chleireachail  na  'n  t-aobrunn, 
ma  tha  e  cho  ard  sin  f hein,  agus  is  mor  an 
diobhail  nach  rachadh  iad  comhla  gu  reidh 
sitheil. 

Smachd  agus  Saorsa 

A  thaobh  an  creud  chan  'eil  miighadh  mor  air 
bith  eadar  Eaglais  na  h-Alba  agus  an  Eaglais 
Shaor  oir  tha  iad  le  cheile  Prostanach,  agus 
soisgeulach,  agus  Cleireachail,  ach  a  thaobh 
an  inntinn  agus  an  doighean  tha  iad  gu  maith 
fada  o  cheile,  cho  fada  's  nach  urrainn  cordadh 
eile  a  bhi  eatorra  ach  a  mhain  gean-maith  d'a 
cheile  agus  deagh  choimhearsnachd.  Agus 
is  iTior  sin  f  hein. 

Is  e  an  fhior  aobhar  air  an  da  eaglais  a  bhi 
cho  fada  o  cheile  gu  bheil  an  Eaglais  Shaor  a' 
cur  cudthroina  air  Smachd  agus  gu  bheil  Eaglais 
na  h-Alba  a'  cur  cudthroim  air  Saorsa,  da  rud 
a  tha  anabarrach  duilich  an  tathadh  ri  cheile. 
Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  'eil  a  leithid  de 
ni  agus  smachd  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  no 
a  leithid  de  ni  agus  saorsa  anns  an  Eaglais 
Shaoir.  Tha,  gun  teagamh,  ach  air  a  shon  sin, 
tha  inntinn  Aa  dara  te  cho  suidhichte  air  smachd 
agus  inntinn  na  te  eile  cho  suidhichte  air  saorsa 
's  gu'n  aithnich  thu  an  guth  ged  nach  biodh 
fhios  agad  c6  a  tha  labhairt. 

Ma  chluinnear  ministear  ann  an  Eaglais  na 
h-Alba  a'  toirt  bheachdan  no  teagasg  as  a 
chridhe  no  as  a  reuson  fein  nach  robh  aig  na 
seann  aithrichean  chan'  eilear  deas  air  a  chasg 
no  air  a  chronachadh  ged  nach  bitheadh  a 
bheachdan  a'  cordadh  ri  bhraithrean,  oir  thatar 
a'  creidsinn  nach  'eil  doigh  as  fhearr  air 
lomnochd  na  breige  a  nochdadh  na  toirt  do'n 
t-solus.  Criathraidh  Tim  an  siol  agus  deal- 
aichidh  e  an  cruithneachd  o'n  mholl,  gun 
ghuth  mor  no  droch  fhacal.  Sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  Eaglais  na  h-Alba  a'  leigeil  an  siubhail 
le  ntiinistearan  a  bhios  ag  radh  nithean  ura  mu 
na  Sgriobturan,  no  mu  Bhurgadair,  no  mu 
spioradaireachd,  no  mu  iirnuighean  air  son  nam 
marbh. 

Ach  chan  e  sin  inntinn  na  h-Eaglais  Shaoir. 
Chan  e  mhain  gu  bheil  i  ag  iarraidh  umhlachd 
do  litir  an  lagha  ach  tha  i  ag  iarraidh  iimhlachd 
do    bheul-aithris    nan   seanairean,    agus    'g    a 


iarraidh  ann  an  cleachdaidhean  dhaoine  cho 
cinnteach  's  a  tha  i  'g  a  iarraidh  'n  am  beachdan. 
Na'n  robh  an  t-Ollamh  Tormod  Mac  Gilleathain 
anns  an  Eaglais  Shaoir,  is  fhada  o  bha  e  air  a 
chur  air  stol  an  aithreachais  air  son  nithean  a 
bhitheas  e  ag  radh  mu  dhiomhaireachdan  an 
t-saoghail  eile,  ach  na'n  spionadh  i  Mghr  Tor- 
mod  as  an  achadh  cha  bu  mhaith  leam  a  chreid- 
sinn  gur  e  gas  cogaill  a  spion  i.  "  Leigibh  leo," 
ars'  an  duine  glic,  Gamaliel,  "  ma's  ann  o 
dhaoine  a  tha  a'  chomhairle  so,  thig  i  gu  neo- 
bhrigh,  ach  ma's  ann  o  Dhia  a  tha  i,  chan 
ux'rainn  sibhse  a'  cur  gu  neo-bhrigh." 

Coit  Ghartain 

Is  ann  gle  annamh  a  dh'fheumar  eaglaisean 
a  leigeil  a  mach  an  diugh  a  chionn  gu  bheil  iad 
ro  bheag  do'n  choimhthional,  ach  thachair  sin 
anns  an  sgir  iiir,  Coit  Ghartain,  a  bha  air  a  cur 
air  a  bonnaibh  fein  o  chionn  ghoirid,  agus  far 
a  bheil  an  t-Urramach  Domhnull  Caimbeul  a 
bha  uair-eigin  am  Peitidh,  agus  'n  a  dheidh  sin 
an  Grianaig,  'n  a  mhinistear.  Is  e  Domhnull 
Caimbeul  a  ghabh  aite  an  Ollaimh  Diighall 
Mac  Pharlain,  ann  an  Comunn  Gaidhealach  na 
h-eaglais. 

Bha  Coit  Ghartain  air  a  gearradh  a  sgirean 
Dhaoghail  agus  Obar-neithich,  agus  b'e  a' 
cheud  mhinistear  a  bha  air  a  shuidheachadh 
innte  an  t-Ollamh  Donnchadh  Robastanach,  air 
an  robh  eolas  maith  agus  meas  ann  an  Srath- 
Speith  o  chionn  deich  bliadhna  fichead,  agus 
'n  a  dheidh-san  (ann  an  1934)  an  t-Urramach 
Domhnull  Caimbeul.  Bithidh  moran  choigreach 
a'  dol  do'n  diithaich  anns  an  t-samhradh,  agus 
bithidh  uiread  dhiubh  a'  dol  do'n  eaglais  's 
gu'm  b'  fheudar  sgonn  a  chur  rithe.  Tha  i  air 
a  h-ainmeachadh  air  Calum-cille  ;  bha  an 
eaglais  agus  Talla  iir  air  an  coisrigeadh  do 
aoradh  agus  do  sheirbhis  Dhe  an  deireadh  an 
earraich  so  chaidh  leis  an  Ollamh  Iain  Hall,  an 
Dun-eideann,  is  bha  seachd  foirbhich  lira  air 
an  cur  air  leth  aig  a'  cheart  am. 

A  thaobh  eaglais  Choit  Ghartain  faodar  a 
radh  a:u  bheil  aice  "  la  maith  agus  soirbheas 


Bliadhna  mhaith  ur 

Bhadhna  mhaith  iir  dhuibh  uile  a  bhitheas 
a'  leughadh  nan  duilleagan  Gaidhlig  so.  Aig 
toiseach  na  bliadhna  bithidh  daoine  coguiseach 
a'  cur  bhoidean  orra  fein,  agus  ag  radh  riu  fein, 
Feumaidh  mi  sud  no  so  a  dheanamh  am  bliadhna 
nach  do  rinn  mi  an  uiridh.  Cuimhnichibh,  ma 
ta,  gu'm  bu  mhaith  le  fear-deasachaidh  nan 
duilleagan  so  cuideachadh  f  haotainn  o  neach  air 
bith  aig  a  bheil  rud  'n  a  inntinn  a  bu  mhaith 
leis  a  radh,  is  urrainn  Gaidhlig  a  htreachadh 
car  ceart,  agus  aig  a  bheil  lamh-sgriobhaidh  as 
urrainn  clo-bhuailtear  gun  Ghaidhlig  a  dhean- 
amh a  mach, 


Aireamh  2 


937 


Ar  cupan  o  Dhia 

"  Tha  mo  chupan  a'  cur  thairis." — Salm  xxiii,  5. 


ANNS  an  t-seann  Tiomnadh  tha  am  facal 
-cupan  air  a  chleachdadh  ami  an  doigh 
shamhlachail  ;  a'  ciallachadh,  air  uairean, 
aoibhneas  is  sonas,  ach  uairean  eile,  bron  is 
doilgheas.  Tha  an  Salmadair  agus  na  faidhean 
a'  labhairt  mu  chuibhrionn  mhic  an  duine  air 
thalamh  mar  an  cupan  a  tha  e  a'  faotainn  o 
laimh  an  Tighearna.  An  diugh  faodaidh  ar 
cupan  a  bhi  Ian  de  sholas  agus  am  maireach  Ian 
de  shearbhadas,  ach  is  ann  o  laimh  an  Tigh- 
earna a  tha  iad  le  cheile.  Is  e  sin  fianuis  nan 
naomh  anns  an  t-seann  Tiomnadh. 

Nach  neo-thaingeil  sinn  uile  air  son  freasdal 
caomh  an  Tighearna  !  Is  ann  d'a  choibhneasan 
graidh  nach  'eil  sinn  air  ar  caitheadh  as,  a 
chionn  nach  failnich  a  throcairean.  Tha  iad 
nuadh  gach  maduinn,  ach  chan  'eil  sinne  a' 
toirt  suime.  Tha  e  a'  toirt  dhuinn  ar  bidh  'na 
thrath,  a'  fosgladh  dhuinn  a  laimhe  gu  fial,  agus 
a'  sasuchadh  ar  n-uireasbhuidhean  lathail,  ach 
chan  'eil  oran  molaidh  'n  ar  beul-ne  mar  bu 
choir.  An  aite  a  bhi  toilichte  le  ar  crannchur 
tha  sinn  gearanach  agus  farmadach,  a'  sann- 
tachadh  cuid  ar  coimhearsnaich.  Sin  toiseach 
na  truaighe.  Cha  robh  duine  sanntach  riamh 
sona  agus  cha  bhi  gu  brath.  Is  mo  a  mhiann 
na  fheum.  "  Dh'  fhoghluim  mi,"  arsa  Pol, 
"  cia  b'e  staid  anns  a  bheil  mi,  a  bhi  toilichte." 
Chan  e  cumhannachd  an  crannchuir  no  cruas 
am  beatha  a  tha  deanamh  dhaoine  mi-shona, 
ach  miann  nan  nithean  nach  'eil  aca.  Na'n 
cunntadh  iad  na  tiodhlacan  a  thug  Dia  dhaibh 
cho  curamach  's  a  chunntas  iad  na  nithean  a 
tha  'g  an  dith,  chitheadh  iad  nach  'eil  an  crann- 
chur cho  bochd  's  a  shaoil  iad.  Aig  an  duine  aig 
a  bheil  inntinn  thoilichte  tha  cuirm  a  ghnath, 
agus  ma  tha  an  diadhaidheachd  maille  ris  an 
inntinn  thoilichte  is  buannachd  mhor  e.  Ma 
dh'  iarras  sinne  rioghachd  Dhe  agus  fhirean- 
tachd  faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu'n  coimh- 
lion  Dia  a  ghealladh  agus  "  gu'n  cuir  e  na 
nithean  so  uile  ruibh."  "  Bha  mi  6g,"  ars'  an 
salmadair,  agus  a  nis  tha  mi  sean,  gidheadh 
chan  fhaca  mi  am  firean  air  a  threigsinn." 

Car  son,  ma  ta,  nach  biodh  inntinn  shocruch 
is  cridhe  foisneachail  aig  sluagh  an  Tighearna  a 
thaobh  an  cor  saoghalta  !  Is  le  Dia  an  saoghal 
agus  na  tha  ann,  agus  bheir  e  dhuinn  an  cuibh- 
rionn  a  tha  feumail  dhuinn  de  nithean  amsireil. 
An  t-aon  againn  as  lugha  a  f  huair  de  mhaoin  an 
t-saoghail  so,  fhuair  e  na  dh'  fhoghainn  dha, 
agus  barrachd  mor  's  a  thoill  e. 


Ach  ma  tha  maitheas  an  Tighearna  d'a 
shluagh  aithnichte  ann  an  obair  a  fhreasdail 
nach  motha  gu  mor  a  tha  a  mhaitheas  aithnichte 
ann  an  tiodhlacan  a  ghrais  !  An  uair  a  smuain- 
icheas  tu  air  an  tiodhlac  a  thug  Dia  dhuinn  ann 
an  losa  Criosd  a  mhac,  nach  h-abair  thu  le 
t'uile  chridhe,  "  Tha  mo  chupan  a'  cur  thairis." 
Tha  cupan  na  slainte  air  a  lionadh  le  saoibhreas 
Dhe.  Bheannaich  Dia  sinn  leis  gach  uile 
bheannachd  spioradail  ann  an  Criosd,  oir  tre 
fhuil-san  tha  saorsa  againn,  agus  maitheanas  ar 
peacaidhean,  a  reir  saoibhreas  a  ghrais.  Ann 
an  Criosd  tha  tobar  a  dh'  uisgeachan  beo  as  am 
faod  a  shluagh  tarruing  gun  sgur.  "  Is  leibh-se 
na  h-uile  nithean  ;  ma's  e  an  saoghal,  no 
beatha,  no  bas,  no  nithean  a  tha  lathair,  no 
nithean  a  tha  ri  teachd  ;  is  leibh-se  iad  uile." 
Co  is  urrainn  sochairean  a'  Chriosduidh  aireamh, 
no  an  lanachd  a  tha  ann  an  Criosd  a  thomhas  ! 
Annsan  tha  beatha  do  na  mairbh,  solus  do  na 
doill,  saorsa  do  na  priosanaich,  sith  do'n  choguis 
chiontaich,  agus  suaimhneas  do'n  chridhe 
bhriste.  Annsan  tha  peacaich  air  an  deanamh 
'n  an  creutairean  nuadh  do  Dhia,  'n  an  teampuill 
do'n  Spiorad  Naomh,  'n  an  ginealach  taghta,  'n 
an  sagartachd  rioghail,  'nan  cinneach  naomh. 
Ciod  tuilleadh  a  their  sinn  ?  O,  fad  agus  leud 
agus  farsuingeachd  na  h-oighreachd  bheann- 
aichte  a  tha  aig  sluagh  an  Tighearna  !  Tha 
cumhachd  neo-chriochnach  'g  an  dion,  gliocas 
eugsamhail  'gan  stiuradh,  agus  gradh  neo- 
chaochlaideach  'g  an  leantuinn.  Tha  an 
t-Athair,  am  Mac,  agus  an  Spiorad  Naomh,  a' 
comh-oibreachadh  maille  r'a  cheile,  gu  bhi  toirt 
dhaibh  na  buadha.  O,  cia  mor  an  taingealachd 
agus  angairdeachas  a  bu  choir  a  bhi  ann  an  anam 
na  muinntir  shaorta  an  uair  a  bheachd-smuain- 
icheas  iad  air  an  t-saoibhreas  grais  agus  gloire 
a  thug  Dia  dhaibh  ann  an  Criosd.  Maitheanas 
peacaidh  !  Spiorad  ceart  an  taobh  a  stigh 
dhiubh  !  Sith  agus  reite  ri  Dia  !  Saorsa  o 
chorp  a'  bhais  !  Ungadh  an  Spioraid  agus  gras 
am  pailteas  !  Sonas  siorruidh  !  Beatha  mhair- 
eannach  !  An  uair  a  smuaineachas  iad  air 
meud  agus  maise  nan  tiodhlacan  beannaichte 
sin,  nach  bu  choir  dhaibh  a  radh,  "  Tha  mo 
chupan  a'  cur  thairis." 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  tha  am  facal 
cupan  a'  ciallachadh  anns  an  t-seann  Tiomnadh 
freasdal  milis  no  freasdal  searbh,  ged  is  ann  mar 
is  bitheanta  air  freasdal  caomhail  is  milis  a  tha 
naoimh  an  t-seann  Tiomnaidh  a'  smuaineachadh 


2 


AR  CUPAN  O  DHIA— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


an  uair  a  tha  iad  a'  cleachdadh  an  fhacail  ;  ach 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  tha  e  a'  ciallachadh 
mar  is  trice  freasdal  searbh.  An  uair  a  thubh- 
airt  ar  Slanuighear  ri  Seumas  agus  ri  Eoin, 
"  a  bheil  sibh  comasach  air  a  chupan  ol  a  tha 
mise  gu  61  ?  ",  bha  e  a'  smuaineachadh  air  a' 
bhron  agus  air  an  fhulangas  a  bha  feitheanih 
air. 

An  uair  a  tha  freasdal  an  Tighearna  searbh 
agus  ar  cridhe  goirt,  c'  aite  no  ciamar  a  gheibh- 
ear  comhfhurtachd  is  leigheas  ?  Gheibh  ann 
am  Facal  an  Tighearn,  agus  ann  an  iirnuigh. 
Gun  teagamh  tha  iomadh  doigh  eile  ann  air 
cridheachan  goirt  aotromachadh,  ach  tha  ar 
cobhair  as  laidire  ann  an  Dia.  Tha  ni-eigin  ann 
an  cridhe  mhic  an  duine  a  tha  'g  a  tharnuing  gu 
Dia  an  uair  a  tha  e  'n  a  eiginn,  "  Na  bi-sa  fada 
bhuam,  oir  chan  'eil  neach  eile  ann  a  chuid- 
icheas."  An  am  trioblaid  agus  deuchainn 
fhuair  iomadh  creidmheach  faireachduin  is 
dearbhachd  air  lathaireachd  an  Tighearna  nach 
robh  aca  riamh  roimhe,  air  chor  agus  gu'm 
faodadh  iad  a  radh  gu'n  do  threoraich  e  iad 
laimh  ri  uisgeachan  citiin.  Tha  daoine  air  an 
treorachadh  laimh  ri  uisgeachan  ciiiin  'nuair  tha 
smuaintean  naomha,  iriosal,  a'  gabhail  aite  nan 
smuaintean  ceannairceach  agus  ain-diadhaidh  a 
dh'  eirich  'n  an  cridhe  an  aghaidh  freasdal 
searbh.  "  Ann  an  lionmhorachd  mo  smuain- 
tean an  taobh  a  stigh  dhiom  tha  do  chomhf  hur- 
tachd-san  a'  toirt  solais  do  m'  anam." 

Ach  mar  a  thubhairt  mi  cheana,  co  dhiubh  a 
tha  ar  cupan  a'  cur  thairis  le  meud  ar  n-aoibhneis 
no  le  meud  ar  broin  is  ann  o  Dhia  a  tha  e  ;  ar 
n-Athair  a  tha  cothromach  'n  a  uile  shlighean 
agus  naomh  'n  a  uile  ghniomharan,  agus  is  e 
aon  run  a  mhain  a  tha  aige-san  's  an  t-sealladh 
daonnan,  sinne  a  dheanamh  naomh.     "  Is  i  so 


toil     Dhe,     eadhon     bhur     naomhachadh-se." 

(1  Thess  iv.  3). 

Ar  n-iirnuigh  : 

"  An  gahh  sinn  maith  o  laimh  an  Tighearn,  agtts 
nach  gabh  sinn  olc  ?  " 

An  cupan  a  thug  e  dhomh  ri  bl  nach  bl  mi  e  !  " 
"  Rinn  agus  dhealbh  do  lamhan  mi." 

Chrioslaich  thu  mi  le  h-aoihhneas." 
"  Bhris  thu  mo  chnamhan." 
"  Beannaich  an  Tighearn,  0  m'anam." 
"  Slainte  mo  ghniiise  agus  mo  Dhia." 

Fhacal-san  : 

"  An   uair  a   shiubhlas   tu   troiinh    na    h-uisgeachan 

hithidh  mise  maille  riut." 
"  Thig  mi  do  'ur  n-ionnsuidh." 
"  Is  mise,  lehobhah,  cha  chaochail  mi." 
"  Is  e  do  Dhia  as  Righ." 

"  An  run  siorruidh  a  riinaich  e  ann  an  losa  Criosd." 
"  Gu'm  bitheadh  sibh  air  bhur  neartachadh  gu  treun, 

tre  a  Spiorad,  anns  an  duihe  an  leth  a  stigh." 
"  Gu'm     bitheadh     oibre     Dhe     air     fhoillseachadh 

annaibh." 
"  Gu'm  bitheadh  sibh  naomh  mar  tha  esan  a  ghairm 

sibh  naomh." 
"  Gu'm  bitheadh  sibh  air  bhin*  cur  gu  neo-lochdach 

an  lathair  a  ghloire  le  h-aoibhneas  ro  nihor." 


Cuibhrionn  mo  chup'  is  m'  oighreachd  Dia, 
'S  Tu  sheasas  dhomh  mo  chrann  ; 

An  aitibh  aoibhneach  thuit  mo  lion, 

'S  leam  oighreachd  bhriagh  nach  gann. 

Bheir  mise  buidheachas  do  Dhia 
thug  comhair]'  orm  a'm'  fheum  ; 

Tha  m'  airne  f5s  an  am  na  hoidhch' 
'g  am  theagasg  mar  an  ceudn'. 

Do  chuir  mi  romham  anns  gach  ciiis 

an  Tighearn  m6r  a  ghnath  ; 
Chionn  air  mo  dheas  laimh  gu  bheil  e, 

Cha  ghluaisear  mi  gu  buath. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


Ml 
Ghaidhealtachd    air    fad    ann    an    droch 

shuidheachadh  le  gort  ;  toiseach  nan  droch 
bhliadhnachan  a  chuir  viiread  de'n  t-sluagh  air 
falbh  as  an  diithaich.  Ged  a  leughar  anns  na 
paipearan-naidheachd  an  drasd  's  a  ris  gu  bheil 
muinntir  na  Gaidhealtachd  ann  an  droch  shuidh- 
eachadh an  diugh  fhathast  chan  'eil  an  sin  ach 
doigh-bruidhne  leis  am  bi  daoine  a'  feuchainn 
ri  cridhe  a'  Ghovernment  a  thaiseachadh,  an 
dochas  gu'n  toir  e  dhuinn  rathaidean,  agus 
ceidheachan,  agus  goireasan  eile,  a  bu  mhaith 
leinn  a  bhi  againn.  Chan  'eil  a  leithid  de  ni 
agus  gort  anns  a'  Ghaidhealtachd  an  diugh 
anns  an  t-seagh  anns  an  d'  f  huiling  daoine  acras 
agus  fuachd  anns  na  laithean  cruaidh  ud.  An 
uair  a  bhithear  a'  caoidh  cor  ar  diithcha  an 
diugh  chan  ann  air  cion  bidh,  no  air  cion  airgid 
a    bhithear    a'    smuaineachadh,    ach    air    cion 


dhaoine,  agus  air  a'  Ghaidhlig  a  bhi  dol  a, 
cleachdadh. 

Mu  thruaighe  'n  tir  's  an  cinn  na  daoine  gann 
Ge  maith  an  t-br,  is  suarrach  br  seach  clann 

Cha  robh  an  t-or  riamh  cho  pailt  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd 's  a  tha  e  an  diugh,  no  a'  chlann  cho 
gann  ;  is  theagamh  gur  e  gaol  an  oir  a  chuir  as 
do'n  chloinn.  A  h-uile  Di-haoine  tha  na 
ceudan  de  sheirbhisich  a'  Ghovernment  a'  cur 
seaehad  an  la  mar  a  bhios  Santa  Claus  a'  cur 
seachad  na  NoUaige,  a'  taomadh  thiodhlacan 
agus  phensions  de  gach  seorsa  ann  an  uchd 
sheann  daoine  agus  dhaoine  oga. 

Gort  an  Leodhas 

Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a  bha  ciiisean  ann  an 
1837.  Anns  an  earrach  sin  fhuair  seachd  ceud 
ceann  cruidh  am  bas  ann  an  Leodhas  le  cion 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


3 


bidh,  agus  miltean  de  chaoraich.  Fhuair  tri 
cheud  beathach-cruidh  am  bas  ann  am  Barbhas. 
Bha  cor  nan  daoine  a  cheart  cho  dona  ;  cho 
dona  's  nach  robh  beoshlaint  aca  ach  am  beagan 
mine  agus  buntata  a  bha  air  a  chur  thuca  as  na 
bailtean-mora. 

Anns  an  eilean  Sgitheanach  bha  na  ceudan 
teaghlach  gun  bhiadh,  gun  chonnadh,  agus  mu 
dheireadh  thoisich  iad  air  cinn  nan  tighean  a 
losgadh.  Bha  bochdainn  agus  cruaidh-chas 
anns  an  eilean  nach  fhacas  a  leithid  bhuaith 
sud.  Bha  iad  a  cheart  cho  dona  an  Uidhist,  an 
Loch  Braon,  agus  an  cearnaibh  eile  de  'n 
Ghaidhealtachd. 

Bha  iomadh  aobhar  air  a'  bhochdainn  a  bha 
anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns  na  h-Eileanan 
aig  an  am  ud  ;  droch  fhoghair,  droch  thuath- 
anachd,  buntata  a'  dol  air  ais,  margaidhean  a' 
tuiteam,  ceilp  a'  fas  saor,  ach  b'  e  an  fhior 
aobhar  gu  robh  barr-suime  sluaigh  air  an 
duthaich  ;  stoc  dhaoine  nach  b'  urrainn  fearann 
a  b'  fhearr  na  fearann  na  Gaidhealtachd  a 
ghiiilan.  Chan  'eil  anns  a'  Ghaidhealtachd  ach 
duthaich  lorn,  bhochd,  gu  nadurra  ;  duthaich 
gun  ghual,  gun  iarunn,  gun  bheartas  eile  fo'n 
talamh  ;  talamh  creagach,  monadail,  nach 
fhiach  oibreachadh  idir  an  coimeas  ri  mach- 
raidhean  reamhar  na  Galltachd.  Gun  teagamh 
tha  cluaineagan  de  thalamh  maith  an  sid  agus 
an  so  anns  a'  Ghaidhealtachd,  ach  air  a  shon  sin 
chan  'eil  innte  ach  diithaich  bhochd  nach 
giiilain  stoc  mor  dhaoine  gu  bi-ath  tuilleadh. 
Ma  ghiulaineas  chan  ann  as  an  talamh  a  gheibh 
iad  am  beo-shlaint. 

Imrich-chuain 

Ghabh  an  sluagh  an  aon  doigh  a  bha  fodhpa 

air  iad  fein  a  chuideachadh,  thoisich  iad  air  an 

I    duthaich  f  hagail  agus  air  dol  thairis  do  Chanada, 

I    do  New  Zealand,  agus  a  dh'  Astralia.     Ann  an 

j    1828  dh'  fhag  soitheach  Tairbeart  na  h-Earadh 

!    Ian  dhaoine  a  bha  dol  do  Chanada  Uachdrach, 

is  da  shoitheach  eile   Loch  nam  Madadh,  an 

Uidhist,  agus  se  ceud  duine  air  bord  a  bha  dol 

a  dh'  iarraidh   an  fhortain  an  Canada.      Dh' 

fhalbh    soitheach    eile    a    Cana,    agus    an    ath 

bhliadhna  dha  no  tri  shoithichean  as  an  eilean 

Sgitheanach   le    daoine    a   bha   dol   do    Cheap 

Bhreatunn.     Fad  bhliadhnachan  bha  sin  a'  dol 

air  aghaidh  ;    soithichean  a'  seoladh  a  h-uile 

samhradh  as  a  h-uile  cearn  de  'n  Ghaidhealtachd, 

Ian  de  dhaoine  a  bha  air  son  dachaidhean  ura  a 

dheananih    dhaibh   fein    anns    na    duthchanna 

thall. 

Ann  an  1837,  air  an  t-seachdamh  la  fichead 
de  September,  dh'  fhalbh  long  mhor  a  Tobar 
Mhoire  agus  corr  is  tri  cheud  duine  innte  a  bha 
dol  do  New  Zealand  ;  ceud  dhiubh  a  Aird-nam- 
Murchann  agus  a  Sron  an  t-sithein  ;  ceud  agus 
a  ceithir  a  Colla  agus  a  Tiriodh  ;  coig  ar  f  hichead 
as  a'  Mhorairne,  se  deug  is  da  f  hichead  a  Muile 


agus  I ;  agus  an  corr  a  aitean  eile  an  Earra- 
Ghaidheal.  Fhuair  cuid  dhiubh  cuideachadh 
o'n  Ghovernment  a  dhol  air  imrich,  ach  chaidh 
feadhainn  eile  a  mach  air  an  cosdus  fein.  Bha 
New  Zealand  toilichte  gu  leor  stoc  maith  de  'n 
t-seorsa  so  fhaotainn,  daoine  og  laidir  anns  an 
robh  fuil  ghlan  agus  a  bha  toirt  leo  mnathan 
beusach  a  thogadh  an  teaghlaichean  gu  glic 
agus  gu  diadhaidh. 

Long  mhor  nan  Eilthireach 

Sheol  iomadh  bata  a  Tobar  Mhoire  anns  na 
bliadhnachan  ud  le  eilthirich  a  bha  dol  thar 
chuantan,  oir  bha  acarsaid  mhaith  ann  far  am 
faodadh  bataichean  mora  tadhall  agus  far  an 
robh  e  freagarrach  do  na  h-eilthirich  as  na 
h-eileanan  a  mach  cruinneachadh.  Dh'  fhalbh 
soitheach  le  eilthirich  a  Tobar  Mhoire  ann  an 
1840,  agus  is  ann  a  Tobar  Mhoire  a  dh'  fhalbh 
an  soitheach  Economy  air  an  do  sheol  am  bard 
Tiristeach,  Iain  Mac  Gilleathain,  bard  Thigh- 
earna  Cholla,  anns  an  fhoghar,  1819- 

Air  mach  Di-ardaoin  a  dol  seach  an  Caolas 
An  longfo  h-aodach  's  a  ghaoth  o'n  chbrs' . 

An  ann  o'n  deas  a  bha  a'  ghaoth  ? 

Am  bitheantas  cha  toigh  le  baird  obair  ;  ach 
theid  aca  air  obair  as  fhearr  a  dheanamh  na'n 
obair  a  b'  fheudar  do'n  bhard  Thiristeach,  no 
mar  theirteadh  ris,  Iain  Mac  Ailean,  a  dheanamh 
anns  "A'  Choille  Ghruamaich  "  m'  an  d'  fhas  a 
chlann.  Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  cinn- 
tiche  na  gur  e  an  crioman  bardachd  so  a  rinn 
Iain  Mac  Ailean,  A'  Choille  Ghruamach,  obair  as 
fhearr  agus  as  maireannaiche  arinneadhle  gin  de 
na  sheol  air  an  luing  ud.  C  aite  an  diugh  a 
bheil  na  craobhan  a  chuir  e  as  am  bun,  am 
buntata  a  bhuain  e,  an  tigh-fiodha  a  thog  e, 
ach  mairidh  "  -A'  Choille  Ghruamach  "  gu  suthain 
sior,  no  ma's  naor  am  facal  sin,  gus  nach  cluinn- 
ear  anns  a'  Ghaidhealtachd  ach  Beurla  Ghovan. 

Ann  an  litreachas  na  Gaidhealtachd  chan  'eil 
da  phios  eile  de  rosg  no  de  bhardachd  is  fhearr 
a  nochdas  dhuit  dreach,  agus  cumadh,  agus 
cumhachd  na  Gaidhlig  Albannaich  na  Long 
Mhor  nan  Eilthireach,  a  bha  air  a  sgriobhadh 
leis  an  Ollamh  Tormod  Mac  Leoid,  no  "  Caraid 
nan  Gaidheal,"  mar.  theirteadh  ris,  agus  A' 
Choille  Ghruamach,  a  bha  air  a  sgriobhadh  le 
Iain  Mac  Gilleathain,  da  dhuine  d'  am  b'  aithne 
Tobar  Mhoire  gu  maith.  An  uair  a  chuimhn- 
icheas  tu  air  a'  Mhorairne  mar  bha  i  anns  na 
laithean  am  biodh  Tormod  Mac  Leoid  agus 
athair  a'  dol  a  null  do  Thobar  Mhoire,  agus  air 
na  daoine  a  thachradh  orra,  agus  a  sheallas  tu 
air  slios  na  Morairne  an  diugh,  anns  nach  'eil 
ceol,  no  aighear,  no  daoine,  ciod  is  urrainn  thu 
a  radh  ach  a  "  bhi  caoidh  cor  do  dhiithcha,  agus 
ag  ionndrainn  nan  seann  daoine  fiughail  a  bha 
cliiiiteach  is  treun." 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Galair  a'  bhuntata 

Ged  bha  a'  Ghaidhealtachd  agus  na  h-Eileanan 
air  an  tanachadh  gu  maith  eadar  1800  agus  1840 
cha  robh  cor  an  t-sluaigh  a  bheag  na  b'  fhearr, 
oir  is  e  na  daoine  oga  laidir  a  dh'  fhalbh,  agus 
na  seann  daoine  agus  na  boirionnaich  a  dh' 
fhuirich  ;  ach  chuir  na  bliadhnachan  a  dh' 
fhalbh  am  buntata  a'  chlach-mhullaich  air 
bochdainn  na  diithcha.  Cha  mhor  gu'n  gabh  e 
creidsinn,  an  suidheachadh  goirt  anns  an  robh 
moran  dhaoine  anns  na  h-Eileanan  an  lar  ann 
an  1846.  Bha  seana  bhean  beo  ann  am  Barr- 
aidh  ann  an  1910,  os  cionn  ceithir  fichead  's  a 
deich,  aig  an  robh  cuimhne  mhaith  air  a'  ghort 
a  bha  am  Barraidh,  agus  ann  an  eilean  Aorais- 
geidh  anns  na  bliadhnachan  ud.  Thubhairt  i 
gu'n  do  chaill  a  h-athair  naoi  aighean  ann  an 
aon  seachduin  le  cion  bidh  ;  ceithir  la  deug  an 
deidh  dha  na  closaichean  a  thiodhlacadh  thog 
cuid  de  na  coimhearsnaich  iad,  gus  an  itheadh, 
grod  's  mar  bha  iad.  Bhiodh  a  h-athair  a'  dol 
le  sreud  a  dh'  ionnsuidh  na  h-Eaglaise  Brice,  is 
bha  e  'n  a  chleachdadh  aige  luchd  bata  de  mhin 
a  thoirt  dhachaidh  a  h-uile  foghar,  a  reiceadh  e 
ri  muinntir  an  eilein.  An  uair  a  thainig  a' 
mhin  dhachaidh  ann  an  1846  bha  an  tigh  aca 
air  a  chuartachadh  le  uiread  dhaoine  air  an  robh 
an  t-acras  's  gu  robh  baga  mine  air  uisneachadh, 
an  uair  a  dh'iiine,  a  dheanamh  fuaraig  no 
stapaig  dhaibh  a  shasuchadh  an  acrais,  m'  an 
robh  an  corr  de'n  mhin  air  a  roinn. 

Ann  am  bliadhnachan  na  gorta  bha  moran 
airgid  air  a  chruinneachadh  anns  an  Taobh 
Deas  a  chuideachadh  nan  Gaidheal,  is  thainig 
airgiod  thuca  a  Sasunn,  a  America,  as  na  h- 
Innsibh  an  Ear  agus  an  lar,  agus  eadhon  as  an 
Tuirc.  An  deidh  na  gorta  dh'  fhag  moran  an 
dtithaich  is  chaidh  iad  thairis. 

A  dheoin  no  dh'  aindeoin  ? 

Mar  bu  trice  b'  ann  le  an  toil  fhein  a  dh' 
fhalbh  na  ceud  eilthirich  a  dh'  fhag  a'  Ghaidh- 
ealtachd ;  bha  feadhainn  dhiubh  gu  maith  air 
an  doigh,  ach  bha  inntinn  chruadalach,  ghais- 
geil  aca  is  chunnaic  iad  gu'm  faigheadh  iad 
fhein  agus  an  teaghlaichean  cothrom  a  b' 
fhearr  ann  an  diithaich  fharsuing  seach  mar  bha 
aca  aig  an  tigh.  Ann  an  cunntas  a  bha  air  a 
chur  air  beulaibh  a'  Chomuinn  a  bha  craobh- 
sgaoileadh  an  Eolais  Chriosdail  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd bha  e  air  a  radh  gu'n  d'  fhag  se  soith- 
ichean  deug  taobh  an  lar  Rois  le  se  mile  agus 
ceithir  cheud  eilthireach  air  bord  annta  eadar 
1772  agus  1791,  agtis  gun  tug  iad  leb  £38,000  a 
dh'  or.  B'  abhaist  dhaibh  cuideachd  a  bhi  toirt 
leo  mhinistearan,  agus  mhaighstirean-sgoile, 
agus  dhotairean,  a  bhiodh  aca  anns  na  h-aitean 
iomallach  d'  an  robh  iad  a'  dol.  Cha  b'  e  an 
eiginn  a  chur  air  imrich  iad  ach  an  gliocas,  agus 
an  earbsa  a  bha  aca  'n  an  cruas,  'n  an  luathas, 
agus  'n  an  laidireachd  fein. 


Ach  bha  feadhainn  eile  d'  am  b'  fheudar 
falbh,  lom  'n  an  cuid  agus  diiiid  'n  an  spiorad, 
gun  sunnd  gun  mhisneach,  a  chionn  gu  robh  iad 
air  am  bairlinneachadh  as  an  croitean,  gun  tigh 
air  a  thoirt  dhaibh,  no  cead  tigh  a  thogail,  agus  ^ 
air  an  iomain  gu  cladach,  gun  roghainn  aca  ach 
am  bas  no  coilltean  Chanada. 

Uachdarain  agus  baillidhean 

Tha  cuimhne  air  an  droch  ghiollachd  so  a  rinn 
cuid  de  na  h-uachdarain  agus  de  na  baillidhean 
air  an  t-sluagh  cho  beo  anns  a'  Ghaidhealtachd  . 
an  diugh  fhathast  's  ged  b'  ann  an  de  a  thachair 
e,  agus  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  amharus  aig  na 
Gaidheil  gur  e  droch  dhuine  a  tha  ann  am  baillidh,  | 
eadhon  ged  robh  e  'n  a  fhoirbheach  anns  an 
t-seann  Eaglais  Shaoir,  agus  ged  bheireadh  e 
deich  notaichean  do 'n  Sustentation  Fund.  Agus  I 
sin  an  t-aobhar  cuideachd  gu  bheil  e  cho  duilich  1 
do  Ghaidheal  air  bith,  biodh  ann  Tory,  no 
Liberal,  no  Socialist,  reusonachadh  gu  reidh 
riaghailteachd  mu  cheist  an  fhearainn  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  mu  chor  an  t-sluaigh.  A' 
cheart  mhionaid  a  chuimhnicheas  e  air  an 
ainneart  a  rinn  Sellar  air  daoine  ann  an  Cataibh, 
no  rinn  an  Coirneal  Gordon  air  muinntir  Bharr- 
aidh  is  Uidhist,  tha  cho  maith  dhuit  an  seanchas 
atharrachadh  agus  leigeil  le  ceist  an  fhearainn 
laighe  mar  tha  i  car  greis.  Tha  mise  a'  faotainn 
freumh  de  'n  inntinn  so  annam  fhein  ;  an  uair  i 
a  dh'  fhasas  mi  teth  le  feirg,  a'  leughadh  mu  I 
f huadach  nan  Gaidheal,  saoilidh  mi  gur  e  uachd-  ; 
arain  agus  baillidhean  agus  droch  laghanna 
fearainn  as  mathair-aobhair  do  gach  olc  a 
thainig  air  an  diithaich,  agus  na'm  biodh  na 
laghannan  sin  air  an  ceartachadh  agus  cumhachd 
nan  uachdaran  air  a  bhriseadh,  gu'm  bitheadh 
la  an  aigh  air  teachd.  Ach  an  uair  a  thig  mi 
thugam  fhein  tha  mo  reuson  ag  innseadh 
dhomh  nach  b'  e  olcas  bhaillidhean  no  sannt 
uachdaran  a  b'  aobhar  do  f  huadach  nan  Gaidheal 
ach  ann  an  tomhas  beag,  agus  gu'm  b'e  an  f  hior 
aobhar  gu  robh  an  sluagh  fhein  a'  faicinn  gu'm  b' 
fhearr  dhaibh  dol  a  dh'  aite-eigin  far  am  biodh 
dochas  aca  gu'n  tigeadh  iad  air  an  aghaidh  seach 
am  bas  fhaotainn  leis  an  acras  ann  an  tir  an 
duthchais. 

Barr-suime  dhaoine 

Chan  'eil  teagamh  nach  robh  barr-suime 
dhaoine  air  a'  Ghaidhealtachd  aig  toiseach  na 
naoieamh  linn  deug,  agus  gu'm  feumadh  iad  a 
bhi  air  an  tanachadh  air  doigh  air  chor-eigin, 
luath  no  mall,  ach  tha  e  fior  cuideachd  gu  robh 
na  h-uachdarain  agus  an  Government  a'  faicinn 
aireamh  an  t-sluaigh  a'  meudachadh  fad  bhliadh- 
nachan,  chan  e  mhain  gun  stad  a  chur  air  le 
riaghailtean  laghail  ach  a'  toirt  gach  cothrom 
dhaibh  fas  lionmhor,  agus  mar  sin  bha  e  mar 
fhiachaibh  orra  atharrachadh  air  bith  a  bha 
ri  dheanamh  a  dheanamh  gu  reidh  caomhail, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— ANNS  A'  CHATHAIR 


gun  eucoir  no  lamhachas-laidir  a  dheanamh  air 
an  t-sluagh. 

'S  e  lagh  a  b'  fhearr  a  rinneadh  riamh  do'n 
Ghaidhealtachd,  Achd  na7i  Croitearan,  an  t-Achd 
a  thug  dhaibh  urras  nach  cuirteadh  a  mach  as 
an  fhearann  iad  ;  mal  air  a  shuidheachadh  le 
luchd-meas,  agus  coir  air  mathachadh  air  bith 
a  rinn  iad  air  tighean  no  air  an  fhearann  f hao- 
tainn  air  ais  ma  dh'  fhagas  iad  a'  chroit.  Ach 
air  a  shon  sin  tha  amharus  agam  gu  bheil  Achd 
nan  Croitearan  a'  tanachadh  an  t-sluaigh,  rud  ris 


nach  robh  diiil  againn,  oir  chuir  e  inntinn  an 
uachdarain  anns  an  iochdaran,  air  chor  agus 
nach  'eil  na  croitearan  na's  fulangaiche  air  na 
coitearan,  no  na's  toiUche  air  criomain  fearainn 
a  thoirt  dhaibh  na  bha  na  bailhdhean  fhein. 
Rud  eile  a  tha  mi  a'  ckiinntinn  ris  nach  robh 
diiil  againn,  daoine  ag  radh  gur  e  an  Govern- 
ment uachdaran  as  miosa  a  bha  orra  riamh.  A 
bheil  sin  fior  ?  ShaoiUnn  nach  bitheadh  an 
Government  cruaidh  leis  an  dara  laimh  agus  e 
cho  fialaidh  leis  an  laimh  eile. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  ghoirid  chuir  aon  de  na  h-aith- 
richean  anns  an  eaglais,  an  t-Ollamh  Adam 
Philip,  leabhar  beag  boidheach  chugam,  le 
bheannachd  am  briathran  coibhneil,  is  chdrd  an 
leabhar  rium  cho  maith  's  nach  biodh  e  ceart 
dhomh  gun  a  mholadh  do  luchd-leughaidh  nan 
duilleagan  Gaidhlig,  ged  nach  ann  an  Gaidhlig 
a  tha  e  air  a  sgriobhadh. 

Fad  bhliadhnachan  bha  e  'n  a  chleachdadh 
aig  Adam  Philip  a  bhi  leughadh  nan  ceithir 
caibidealan  so  de  shoisgeul  Eoin  (xiv,  xv,  xvi, 
xvii)  a  h-uile  feasgar  Sabaid,  an  deidh  dha  obair 
an  la  a  chriochnachadh,  a  dh'  eisdeachd  ri 
Spiorad  na  Firinn  a'  labhairt  ri  anam  fein.  Bha 
e  mar  gu'm  biodh  e  a'  deanamh  dail  bheag  anns 
an  Teampull  an  deidh  do'n  choimhthional 
sgaoileadh,  is  tha  e  ag  radh  anns  an  leabhar  so 
gu  robh  na  h-amanna  sin  priseil  d'a  anam. 

Cia  mor  an  t-slth  a  shealhhaich  mi  ! 
Cuimhnicheam  i  gu  slor. 

Anns  an  leabhar  so  chruinnich  e  smuaintean  a 
dh'  eirich  'n  a  inntinn  fein  an  uair  a  bhiodh  e  a' 
meomhrachadh  air  soisgeul  Eoin,  agus  nithean 
eile  a  thruis  e  a  iomadh  leabhar  a  bha  air  an 
sgriobhadh  mu'n  abstol,  agus  eadar  a  chuid 
fein  agus  cuid  dhaoine  eile,  o  Athanasius  gu 
Dean  Inge,  tha  an  leabhar  so  an  da  chuid 
ciibhraidh  agus  brioghmhor. 

Anns  a  h-uile  linn  tha  soisgeul  Eoin  a'  tarr- 
uing  aire  dhaoine  'g  a  ionnsuidh  fein,  is 
theagamh  gur  e  so  an  t-aobhar,  gu  bheil  e  a' 
cur  fa  chomhair  dhaoine  Neach  a  thairngeas  an 
aire  chuige  fein,  ge  b'  oil  leo.  "  Mise,  ma 
thogar  suas  o'n  talamh  mi  tairngidh  mi  na 
h-uile  dhaoine  am  ionnsuidh." 

Eoin  agus  na  Sgoilearan 

Cha  mhor  gu'n  gabh  iad  cunntas,  na  leabh- 
raichean  a  bha  air  an  sgriobhadh  mu  shoisgeul 
Eoin,  is  tha  feadhainn  iira  air  an  sgriobhadh 
uime  a  h-uile  bliadhna,  cuid  dhiubh  maith  ach 
cuid  eile  dhiubh  gle  thioram,  gu  sonruichte  an 
fheadhainn  a  bhios  a'  deasbud  nan  ceistean  so, 

(1)  Co  sgriobh  e  ? 

(2)  Cuin  ?  C  aite  ? 


(3)  An  e  eachdraidh  beatha  Chriosd  a  tha 
ann  gu  litireil,  no  an  e  dubh-fhacail,  is  samh- 
laidhean,  is  cosmhalachdan,  a  tha  anns  a'  chuid 
mhor  dheth,  air  an  sniomh  a  inntinn  duine 
spioradail  a  chuir  seachad  moran  iiine  a'  beachd- 
smuaineachadh  air  pearsa,  agus  air  obair 
Chriosd,  agus  air  an  daimh  anns  an  robh  e  ri 
Dia? 

Cha  do  ghabh  Adam  Philip  gnothuch  ris  na 
ceistean  sin,  is  cha  mho  a  ghabhas  mise,  oir  tha 
mi  an  diiil  nach  d'  fhuaras  a'  bheag  de  bhuann- 
achd  riamh  asda.  An  uair  a  theid  duine  cho 
foghluimte  ris  an  Ollamh  Seumas  Moffat  do'n 
traigh  sin  chan  fhearr  am  maorach  a  bheir  e 
dhachaidh  na  maorach  cailleach  Mhic  Artair, 
"  partan  is  da  fhaochaig,"  agus  air  uairean  thig 
e  dhachaidh  gun  am  partan  fhein.  Na'n  robh 
daoine  a'  faotainn  saoghail  cho  fada  ri  Metu- 
saleh  theagamh  nach  bu  chall  mor  dhaibh  na 
leabhraichean  a  leughadh  anns  am  bi  sgoilearan 
a'  cur  an  amhach  Eoin  nach  e  fhein  a  tha  ann 
idir  ach  duin-eigin  eile  nach  'eil  iad  cinnteach 
CO  e,  ged  a  bhruidhneas  iad  mar  gu'm  b'  aithne 
dhaibh  e.  Ach  is  e  fianuis  nan  naomh  gu  bheil 
iad  a'  cluinntinn  anns  an  leabhar  so  guth  an 
abstoil  Eoin  a  chunnaic  le  shuilean  am  Facal 
siorruidh  a  bha  air  a  dheanamh  'n  a  fheoil,  agus 
a  ghabh  comhnuidh  anns  an  t-saoghal,  Ian  grais 
agus  firinn  ;  agus  gu  bheil  iad  a'  cluinntinn  ann, 
chan  e  mhain  guth  Eoin,  ach  guth  Neach  eile  a 
chluinneas  eadhon  na  mairbh  a  ghuth,  a  chionn 
gu  bheil  e  a'  labhaii't  ann  am  fireantachd,  cumh- 
achdach  gu  tearnadh. 

An  da  iuchair 

Is  sona  an  duine  a  dhearbh  'n  a  f  hiosrachadh 
fein  gu  bheil  Facal  an  Tighearn  a'  labhairt  ris, 
a'  labhairt  ri  chridhe  agus  ri  choguis.  Chan 
'eil  am  Biobull  a'  labhairt  ris  na  h-uile,  oir 
feumaidh  daoine  gabhail  ris  an  Fhacal  m'  an 
toisich  am  Facal  air  e  fhein  f hosgladh  dhaibh. 
Chan  'eil  e  furasd  a  radh  gu  h-aithghearr  ciod  a 
tha  mi  a'  ciallachadh  le  bhi  gabhail  ris  an  Fhacal, 
ach  ciod  air  bith  aite,  no  ciod  air  bith  doigh 
anns  a  bheil  Dia  a'  labhairt  ruinn,  tha  e  ag 
iarraidh  creideamh  agrus  iimhlachd. 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Sin  an  da  iuchair  as  fhearr  a  dh'fhosglas 
dhuinn  na  Sgriobturan,  creideamh  agus  timh- 
lachd  ;  creideamh  gur  e  Dia  no  Spiorad  Dhe  a 
tha  sinn  a'  cluinntinn  a'  labhairt  annta,  agus 
gur  e  ar  cuid-ne  ar  cinn  a  chromadh,  a 
dh'    eisdeachd,    agus    a    dheanamh    toil    Dhe. 

Labhair,  a  Thighearn,  oir  tha  do  sheirbhiseach 
a'  cluinntinn."  Tha  so  fior  gu  sonruichte  a 
thaobh  soisgeul  Eoin  ;  is  e  na  diadhairean  a 
sheasas  an  lathair  Eoin  mar  leanaban  as  mo  a 
gheibh  de'n  mhil  agus  de'n  bhainne  a  tha  anns 
an  leabhar  so.  Bha  inntinn  cho  laidir  agus 
tuigse  cho  geur  aig  Sir  Isaac  Newton  's  gur  e  a 
chuireamaid  air  cheann-toisich  na  sreatha,  na'n 
robh  maithean  an  Eolais  anns  an  diithaich  so 
air  an  tarruing  air  dobheulaibh,  ach  thubhairt 
e  uair-eigin  "  nach  robh  eolas-san  ach  mar  gu'm 
biodh  dileag  bheag  de'n  fhairge  a  thog  paisde 
ann  an  slige-chreachainn  an  coimeas  ris  a'  chuan 
mhor."  Bha  an  t-abstol  Eoin  a'  faireachduinn 
mar  sin  an  lathair  Chriosd  ;  "  an  uair  a  chunnaic 
mi  e,  thuit  mi  aig  a  chasan  an  riochd  mairbh."  Sin 
agad  na  daoine  ris  an  labhair  Dia,  na  daoine 
air  an  cuir  Fhacal  crith,  agus  a  thuiteas  'n  a 
lathair  an  riochd  mairbh.  Agus  sin  agad  na 
daoine  as  fhiach  dhuit-sa  agus  dhomh-sa  eisd- 
eachd riu. 

Do  na  leanaban 

An  uair  a  bha  mi  anns  an  sgoil  Shabaid  b' 
ann  a  soisgeul  Eoin  a  f  huair  mi  mo  cheud  leasan, 
a  chionn  gu  robh  am  foirbheach  a  bha  'g  am 
theagasg  an  diiil  gur  e  soisgeul  Eoin  a'  chuid 
de  'n  Fhirinn  as  f  hasa  a  thuigsinn.  Tha  moran 
dhaoine  de  'n  bheachd  sin  fhathast  ;  na'n 
iarradh  tu  orra  earrann  de'n  Bhiobull  a  thoirt 
dhuit  anns  a  bheil  an  soisgeul  air  a  chur  gu 
simplidh,  theagamh  gu'n  toireadh  iad  dhuit  an 
earrann  so  a  leabhar  Eoin, — "  Is  ann  mar  sin  a 
ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n  d'thug  e  aon- 
ghin  Mhic  fein,  chum  agus  ge  b'e  neach  a 
chreideas  ann,  nach  sgriosar  e  ach  gu'm  bi  a' 
bheatha  shiorruidh  aige." 

Ann  an  aon  seagh  tha  na  briathran  sin  sim- 
plidh, ach  a'  cheart  mhionaid  a  thoisicheas  tu 
air  smuaineachadh  umpa  chi  thu  nach  grunnaich 
t'  inntinn  anns  na  ceistean  a  tha  iad  a'  togail. 

An  saoghal !     Clod  e  an  saoghal  a  ghradhaich  Dia  ? 

Aon-ghin  Mhic  !  Ciod  an  seagh  anns  an  robh  am 
Mac  air  a  ghineamhuin  ?  Agus  ciod  am  miigh- 
adh  a  tha  eadar  Mac  ginte  agus  mic  eile  Dhe  ? 

Ciod  is  ciall  do  bhi  creidsinn  ann  am  Mac  Dhe  ?  Co 
nach  'eil  a'  creidsinn  ann  ? 

Ciod  is  ciall  do'n  fhacal  sgrios  ? 

Ciod  is  ciall  do'n  fhacal  "  a'  bheatha  mhaireannach." 

A  bheil  anam  an  duine  neo-bhasmhor  'n  a  nadur  agus 
'n  a  ghne  fein  ? 

No  a  bheil  e  cho  basmhor  ris  a'  chorp  gus  an  dean  a' 
bheatha  shiorruidh  a  tha  ann  an  Criosd  neo- 
bhasmhor  e  ? 

Ciod  i  a'  bheatha  shiorruidh  ?  Beatha  gun  chrioch  ? 
No  an  seorsa  beatha  a  tha  ann  an  Dia  ? 

Chi  thu  bhuaith  so,  ma  ta,  nach  'eil  e  ceart  a 
bhi  saoilsinn  gur  e  leabhar  simplidh  a  tha  azm 


an  soisgeul  Eoin.  Tha  e  simpUdh  gu  leor  'n  a 
chainnt,  ach  'na  smuaintean  tha  e  cho  ard  ris 
na  neamhan  agus  cho  domhain  ris  a'  chuan.  So 
na  facail  as  trice  a  thachras  ort  ann  ;  facail  a  tha 
cho  simplidh  's  gu'n  teid  aig  a'  chloinn  air  an 
litreachadh;  Athair,  Mac,  Spiorad  Naomh,  gradh, 
aoibhneas,  sith,  peacadh,  fuath,  saoghal,  trioblaid, 
slighe,  firinn,  beatha,  toradh,  glbir,  aithne,  fan, 
flreantachd,  breitheanas,  oibre,  creidsinn,  solus, 
dorus,  caoraich,  briathran. 

Ach  ged  theid  aig  a'  chloinn  air  na  facail  sin 
a  litreachadh  chan  urrainn  na  diadhairean  a 
radh  gu  bheil  iad  uile  gu  leir  'g  an  tuigsinn  ; 
chan  eil  iad  cinnteach  ciod  a  bha  Eoin  a'  ciall- 
achadh  le  glbir  Chriosd.  Tha  na  facail  creid- 
eamh agus  a'  creidsinn  air  an  uisneachadh  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  ann  an  coig  ceud  aite.  An 
ionghnadh  ged  a  thubhairt  am  fear  a  sgriobh 
an  Litir  chum  nan  Eabhruidheach  .f",  "  as  eug- 
mhais  creidimh  chan  'eil  e  'n  comas  Dia  a 
thoileachadh." 

Cumhachd  an  Fhacail 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  feumaile  do 
dhuine  aig  a  bheil  iarraidh  air  Dia  a  bhi  'n  a 
smuaintean  uile  na  Facal  an  Tighearn  a  bhi  air 
a  mheomhair.  Is  ann  le  Fhacal  a  tha  Dia  a' 
labhairt  ruinn,  agus  a'  deanamh  gnothuich  ri  ar 
n-anam,  ach  mur  bheil  sinn  a'  cluinntinn  no  a' 
leughadh  an  Fhacail  sin  o  cheann  gu  ceann  de  'n 
t-seachduin  cia  mar  is  urrainn  obair  spioradail 
air  bith  a  bhi  dol  air  aghaidh  annainn  ?  Chan 
oibrich  Spiorad  Dhe  ann  an  inntinn  a  tha 
falamh  ;  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  an  diadhaidh- 
eachd  a'  seargadh  an  diugh,  gu  bheil  cho  beag 
de  litir  an  Fhacail  ann  an  cridheachan  dhaoine 
's  nach  'eil  an  Spiorad  Naomh  a'  faotainn 
cothrom  air  an  fhirinn  a  tha  ann  an  Criosd  a 
nochdadh  dhaibh.  Ma  dh'  fhaodas  mi  m' 
fhiosrachadh  fhein  innseadh,  abraidh  mi  gu 
bheil  so  cho  fior  's  a  tha  e  gu  bheil  am  peann 
'n  am  laimh,  gu'n  d'  fhairtlich  e  orm  riamh 
beachd-smuaineachadh  buannachdail  a  dhean- 
amh mu  Dhia  no  mu'n  bheatha  shiorruidh  ach 
tre  Fhacal  fein  ;  gun  Fhacal  ann  am  inntinn 
cha  robh  ann  an  oidhirp  air  bith  de'n  t-seorsa 
so  a  bhithinn  a'  deanamh  ach  ruagadh  na 
gaoithe.  Rud  eile  a  dh'  ionnsaich  mi  ann  an 
obair  na  ministrealachd,  gu  bheil  e  cha  mhor 
eu-comasach  dhuit  comhfhurtachd  a  thoirt  do 
dhaoine  no  do  theaghlaichean  a  tha  aineolach 
air  Facal  an  Tighearna.  Bho  chionn  fichead 
bliadhna  chan  'eil  dleasdanas  a  bhuineas  do  mo 
dhreuchd  as  mo  a  chuireas  a  dh'  eagal  orm  na 
dol  do  thigh  a'  bhroin  far  a  bheil  f hios  agam  gle 
mhaith  nach  'eil  Facal  Dhe  air  a  leughadh  no 
air  a  chreidsinn  ach  anns  an  doigh  a  tha  iad  a' 
creidsinn  ann  an  sithichean. 

Mur  bheil  daoine  a'  creidsinn  gu'n  eirich  na 
mairbh  a  ris,  no  gu  bheil  uile  iighdarras  Dhe  air 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


chill  an  fhacail  so,  "  Ann  an  tigh  m'  athar-sa  tha 
iomadh  aite-cbmhnuidh  ;  mur  bitheadh  e  7nar  sin, 
dh'  innsinn-sa  dhuihh.  Tha  mi  dol  a  dh'  idlachadh 
aite  dhuibh,"  ciod  am  feum  a  bhiodh  ann  dhuit 
dad  eile  a  radh  riu  ? 


Ged  nach  deanadh  Eoin  obair  air  bith  eile 
ach  gu'n  do  chiim  e  air  chuimhne  na  briathran 
sin  a  labhair  Criosd  b'  airidh  e  air  gaol  a  bhi  air 
ainm  gu  brath,  oir  faodar  a  radh  gur  e  so  an 
tigh-soluis  as  fhearr  anns  an  t-saoghal. 


Aig  an  Uinneig 


Iain  Moirreach,  B.D. 

THA  goirteas  anns  a'  bhas  daonnan,  ciod  air 
bith  am  no  doigh  an  tig  e,  ach  an  uair  a  thig 
bas  sgiorrail  air  duine  6g  a  dh'  fhag  bean  agus 
clann  'na  dheidh  tha  e  uile  gu  leir  goirt  agus 
muladach.  Ann  an  December  bha  Iain  Moirr- 
each, ministear  na  Seann  Eaglais  anns  an 
Oban,  air  a  bhualadh  le  carbad-iiilidh  air  an 
t-sraid,  ach  ged  bha  diiil  gu'n  tigeadh  e  bhuaith, 
chaochail  e  anns  an  ospidal  an  ceann  beagan 
laithean.  Dh'  fhag  e  bantrach  agus  ceathrar 
chloinne. 

Leodhasach  a  bha  suas  am  bliadhnachan 
man  deachaidh  e  don  Chollaist  ;  air  oilean- 
achadh  an  Obar-eadhain  ;  air  a  shuidheachadh 
an  Liabost  an  1922,  anns  an  eaglais  Shaoir 
Aonaichte  ;  a  Liabost  chaidh  e  do  Srath 
Chonain,  an  Cleir  lonar-pheofharan,  far  an  do 
shaothraich  e  ceithir  bliadhna,  gus  an  tainig  e 
do'n  Oban  ann  an  1932. 

Bha  e  'n  a  mhinistear  maith  a  bha  leantuinn 
nan  seann  doighean  agus  teagasg  nan  aith- 
richean  ;  dichiollach  'n  a  obair  agus  a'  toirt  an 
aire  oirre  ;  agus  measail  aig  muinntir  a'  bhaile 
agus  aig  a  bhraithrean  an  Cleir  Lathurn. 

An  Sgoil  Shabaid 

Tha  aon  ni  a  bhitheas  daonnan  'g  am  dhorran- 
achadh  anns  an  sgoil  Shabaid,  na  Biobuill 
bheaga  thiugha  as  am  bi  a'  chlann  a'  leughadh, 
Biobuill  anns  a  bheil  an  clodh  cho  meanbh  's 
gu'm  feum  iad  an  sronan  a  bhi  beantuinn  ris  an 
duilleig  man  teid  aca  air  a  leughadh.  Le 
sealltuinn  air  a'  chloinn,  an  uair  a  bhitheas  iad 
a'  leughadh,  shaoileadh  tu  gu  bheil  droch' 
shealladh  aig  an  dara  leth  dhiubh,  Ach  chan 
e  sealladh  na  cloinne  a  tha  dona,  ach  an  clodh  ; 
clodh  a  dh'  fheumas  a  bhi  meanbh  a  chionn  gu 
bheil,  chan  e  mhain  uile  leabhraichean  a' 
Bhiobuill  anns  an  leabhar  a  tha  aca,  ach  na 
sailm  am  meadar  agus  leabhar-laoidh  na  h- 
eaglais  cuideachd. 

Chan  'eil  rud  as  cinntiche  na  gu'n  grainich  na 
Biobuill  dhona  so  a'  chlann  air  a'  BhiobuU.  Bu 
choir  Facal  an  Tighearna  a  bhi  air  a  dheanamh 
sgiamhach  eadhon  o'n  taobh  a  muigh.  Chan 
'eil  leabhar  eile  air .  an  t-saoghal  ach  e  fein  a 
bhitheadh  air  a  leughadh  idir  na'n  robh  a 
chumadh  agus  a  dhreach  agus  an  clodh  cho 
neo-thlachmhor  ris  na  Biobuill  a  bhithear  a 
ceannach. 

Car  son  a  dh'  fheumar  am  Biobull  air  fad  a 


chur  ann  an  aon  leabhar  ?  Bu  mhaith  learn 
na'm  bitheadh  na  leasain  a  tha  sinn  a'  teagasg 
anns  an  sgoil  Shabaid  air  an  tarruing  air  fad  a 
aon  soisgeul  am  bliadhna,  agus  a  soisgeul  eile 
an  ath  bhliadhna,  agus  gu'm  bitheadh  an 
soisgeul  sin  air  a  chur  a  mach  leis  fhein,  ann  an 
leabhar  boidheach,  le  clodh  garbh.  Rachadh 
ais:  Eaerlais  na  h-Alba  i  fein  air  so  a  dheanamh  ; 
tha  aireamh  cho  mor  de  sgoilearan  Sabaid 
innte  's  gu'm  paigheadh  an  leabhar  e  fhein,  ged 
a  bhiodh  e  air  a  reic  gu  maith  saor.  Dh' 
fhaodadh  aireamh  bheag  de  shailm  agus  de 
laoidhean  a  bhi  air  an  cur  ann  ;  ach  is  e  bun  a' 
ghnothuich  an  leabhar  a  bhi  tana  agus  an  clodh 
garbh. 

Bhitheadh  buannachd  eile  anns  na  leasain  a 
bhi  as  an  aon  soisgeul,  nach  bitheamaid  a'  leum 
o  aite  gu  aite  de  'n  Bhiobull  mar  tha  sinn  a' 
deanamh  an  drasd,  agus  gun  fhios  ro  mhaith 
ciod  an  ceangal  a  tha  eadar  na  leasain.  Air 
uairean  tha  leasain  againn  nach  'eil  e  furasd  a 
thuigsinn  car  son  a  tha  iad  air  an  taghadh,  agus 
gu'm  feumar  uiread  de  na  soisgeil  fhagail  a 
mach. 

Cho  sona  ris  an  Righ 

Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ciamar  a  ghabhadh 
ris  an  fhacal  so,  oir  is  e  fiosrachadh  a'  chinne- 
daonna  "  gur  neo-shocrach  an  ceann  air  a  bheil 
Crtm." 

Tha  tuilleadh  sonais  ann  an  diiil 

Na  th'  ann  ari  Criin  a  bhi  'n  a  shealbh. 

Theagamh  gu  robh  am  facal  so  air  a  radh  le 
duine-eigin  a  bha  an  diiil  gur  h-ann  ris  na 
nithean  a  tha  againn  a  tha  ar  sonas  an  crochadh. 
Ach  chan  'eil  sin  fior.  Tha  barrachd  de  chomh- 
fhurtachd  na  feola  aig  daoine  an  diugh  na  bha 
aca  riamh  roimhe,  ach  chan  abrainn  gu  bheil 
iad  na's  riaraichte  no  na's  sona.  Tha  barrachd 
de  chomhfhurtachd  na  feola  aig  luchd-oibre  a 
tha  gu  maith  air  an  doigh  an  diugh  na  bha  aig 
na  h-uachdarain  o  chionn  ceud  bliadhna.  Gle 
ghoirid  roimh  'n  chogadh  cha  robh  ann  an 
Caisteal  Bhlair  ach  aon  ionnladan  (bath)  agus 
am  fear  sin  fhein  gun  uisge  teth  ann  ;  an  diugh 
tha  tighean  as  lugha  anns  a'  choimhearsnachd 
anns  a  bheil  ionnladan  agus  uisge  teth  anns  a' 
h-uile  seomar-cadail,  ach  chan  'eil  sin  a'  ciall- 
achadh  gu  bheil  an  fheadhainn  a  tha  a'  cadal 
annta  riaraichte  no  sona.  Chan  'eil  rud  air  an 
t-saoghal  as  lugha  a  bheir  de  shonas  do  mhac 


8 


AIG  AN  UINNEIG— AN  LEABHAR  NAOMH 


an  duine  na  an  t-soghaltachd  a  thatar  uile  ag 
iarraidh,  an  diiil  gur  ann  innte  a  gheibhear  an 
toil-inntinn  a  mhaireas.  Chan  ann  ann  an 
lionmhorachd  nan  nithean  a  tha  duine  a'  seal- 
bhachadh  a  tha  a'  bheatha,  ach  anns  na  nithean 
a  tha  'n  a  inntinn  fein,  an  gaol  a  tha  'n  a  chridhe 
do  neach  eile,  agus  gu  sonruichte  an  gaol  a  tha 
fhios  aige  a  tha  aig  neach  eile  air,  an  caidreamh 
a  tha  aige  ri  daoine  as  toigh  leis,  an  toileachadh 
a  tha  e  a'  faotainn  'n  a  obair,  an  solas  a  tha  f  huil 
bhlath  fhein  a'  cur  'na  fheithean  agus  'n  a 
chuislean,  an  solas  a  tha  a  shron  agus  a  shiiilean 
agus  a  chluasan  a'  deoghal  a  steach  as  a'  chruth- 
achadh, — sin  agus  fichead  rud  eile  nach  buin  do 
shoghaltachd  na  tobair  as  a  bheil  cridhe  mhic 
an  duine  a'  tarruing  a  shonais.  Ma  's  maith 
mo  chuimhne,  thubhairt  a'  bhan-sgriobhaiche, 
O.  Douglas,  gur  e  na  ceithir  nithean  ris  am  bu 
mho  a  dheanadh  i  toileachadh,  tea,  teine, 
leabhar,  agus  caraid.  Ceithir  solasan  da- 
rireadh  !  Tha  tea  a'  toirt  barrachd  solais  do 
bharrachd  dhaoine  na  rud  air  bith  eile  air  an 
t-saoghal.     A    dh'    aindeoin    ciod   a    bhios    na 


dotairean  ag  radh  tha  i  maith  aig  a  h-uile  am  ; 
duine  air  bith  a  chuireas  cul  ri  tea  tha  rud-eigin 
cearr  air,  'na  bhodhig  no  'na  inntinn.  Tea, 
teine  maith,  caraid  (no  ban-charaid),  agus 
seanchas,  ciod  is  fhearr  na  sin  ?  Ach  tha  an 
radio  air  daoine  a  chur  bho  sheanchas  an  diugh. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  e  a'  toirt  toileach- 
aidh  do  mhoran  dhaoine,  ach  air  a  shon  sin 
cha  toil  leam  an  rud  idir,  agus  is  e  aon  de  na 
reusoin  nach  toigh  leam  e  gu  bheil  e  air  feadh- 
ainn  de  na  daoine  as  aithne  dhomh  a  chur  o 
sheanchas  as  an  cinn  fhein.  An  uair  a  thachras 
iad  orm  a  muigh  toisichidh  iad  air  innseadh 
dhomh  mu  rud-eigin  a  chual  iad  air  an  radio, 
agus  ma  theid  sinn  a  steach  cuiridh  iad  car  anns 
a'  chnaig,  ma's  fhior  dhaibh  fein,  a  thoirt 
toileachaidh  dhomhsa,  ach  an  da  rireadh  a 
(jhionn  nach  urrainn  dhaibh  a  bhi  beo  as 
eugmhais.  Cha  d'  fhuiling  mi  an  inneal  neo- 
fhoisneachail  'n  am  thigh  fhein  riamh.  Ach 
tha  daoine  eile  ann  a  tha  saoilsinn  gu'm  biodh 
iad  cho  sona  ris  an  Righ,  na'n  robh  radio  aca 
anns  a  h-uile  seomar. 


Fear  mo  Ghraidh  " 


SE  losa  Criosda  fear  mo  Ghraidh  ; 
'S  e  's  docha  leamsa  nis  na  each  ; 
Ged  bha  mi  uair-eigin  de  m'  la, 
Nach  b'  aill  leani  bhi  'g  a  aideachadh. 

'S  e  losa  Criosda  fear  mo  riiin, 
A  dh'  ullaich  dhomh'  air  tiis  an  criin  ; 
Is  gheibh  mi  e  'n  uair  theid  mi  null, 
Oir  tha  mo  dhiiil  ri  flaitheanas. 


Oir  f  huair  iad  blasad  air  a  ghradh, 
Is  air  a  mhilseachd  nuas  o'n  aird  ; 
Rinn  sud  an  cridheachan  cho  Ian, 
S  nach  robh  ait'  do  thuilleadh  ac'  ! 

Ged  tha  sinn  ann  an  so  air  chuairt, 
Chan  f  hada  gus  an  teid  sinn  suas 
Gu  fantuinn  maille  ris  an  Uan, 
'S  is  suaimhneach  bhios  ar  n'anani  ann. 


'S  e  losa  Criosd  a  thainig  'nuas, 
'S  a  chridhe  naomha,  Ian  de  thruas  ; 
Is  cheannaich  saorsa  mhor  d'a  shluagh, 
A  bhios  shuas  dhaibh  maireannach. 


Chan  f  haca  suil  's  cha  chuala  cluas 
Meud  nan  nithean  a  tha  shuas, 
A  dh'  ullaich  Fear  mo  Ghraidh  da  shluagh, 
A  bhuanaicheas  air  creidsinn  ann. 


Is  esan  Gradh  an  Athar  shuas  ; 
Gradh  nan  aingeal  is  a  shluaigh, 
Na  tha  air  thalamh  dhiubh  is  shuas, 
Oir  f  huair  iad  Ikn  an  anam  dheth. 


Cha  ghabh  e  dhuinne  chur  an  cainnt, 
Meud  na  dh'  ullaich  e  d'a  chloinn  ; 
Bidh  na  neamhan  ac'  bho  cheann  gu  ceann, 
'S  bidh  Criosd  gu  siorruidh  maille  riu  ! 

Dbmhnull  Iain  Dbmhnullach,  am  Borogk,  an  Lebdhas. 


An  Leabhar  Naomh 


CIA  luachmhor  dhuinn  an  leabhar  naomh 
'Dheacadh  le  Spiorad  Dhe  ! 
Mar  lochran  tha  a  theagasgan 
Ga  'r  stiiiradh  chum  nan  speur. 

Togaidh  e  suas  ar  cridh'  gu  caomh, 
Dol  trid  gleann  dorch  nan  deur  ; 


Beatha  is  solas  bheir  e  dhuinn. 
Is  sith  do  ghnath  's  gach  ceum. 

An  lochran  so  ni  dhuinn  an  t-iiil, 

Trid  dorchadais  a  bhos, 
Gu  ruig  an  t-am  's  am  meal  sinn  shuas. 

Solas  bith-bhuan  is  fois. 


Aireamh  3 


937 


Duine  gun  ionndrainn  air 


"  Righkh  e  ochd  hliadhna  ami  an  Jerusalem  agus  shiubliail  e  gun  deidh  sam  bith  air." — 2  Eachdraidh  xxi,  20. 


THA  da  righ  air  an  ainmeachadh  anns  a' 
Bhiobull  air  an  robh  an  t-ainm  lehoram  ; 
mac  Ahaib  a  bha  'na  righ  air  Israel,  agus  mac 
lehosaphait  a  bha  'n  a  righ  air  ludah.  Cha 
robh  a  h-aon  aca  ro  mhaith,  ach  b'e  righ 
ludaih  a  bu  mhiosa,  is  tha  am  fear  a  sgriobh 
an  eachdraidh  so  ag  radh  7iach  robh  duine  'g  a 
ionndrainn  'nuair  a  shiuhhail  e. 

Is  bochd  a'  chrioch  sin  do  dhuine  air  bith, 
gu'n  cuirteadh  anns  an  uaigh  e  agus  gun  neach 
idir  'ga  chaoidh.  Tha  mi  a'  faicinn  sin  a' 
tachairt  gu  trie,  agus  a'  tachairt  do  dhaoine  a 
b'  fhearr  na  lehoram,  ach  air  a  shon  sin  is  rud 
muladach  e  daonnan.  Bithidh  mi  a'  faicinn 
sheann  daoine  d'a  bheil  eadhon  an  daimhich 
fhein  a'  fas  sgith,  agus  a'  guidhe  'n  an  cridhe 
gu'n  tigeadh  a'  chrioch  orra.  Chan  'eil 
teagamh  nach  'eil  e  'na  uallach  trom  do 
mhoran  dhaoine  a  bhi  gabhail  ciiraim  do  sheann 
daoine  a  tha  anfhann  is  breoite,  ach  tha  mi  an 
diiil  gu  bheil  a'  ghineal  6g  a'  fas  na's  neo- 
f  haidhinniche  a  thaobh  an  dleasdanais  so  na  bha 
an  aithrichean.  Chan  'eil  sin  'n  a  chomharradh 
maith  ;  is  maith  an  comharradh  e  air  daoine 
oga  iad  a  bhi  caomhail  is  gradhach  ri  seanair,  no 
seanmhair,  no  daimheach  eile,  a  dh'  fhaodas  a 
bhi  air  uairean  'n  an  uallach  dhaibh.  Ciod  is 
fhiach  fuil  mur  bheil  i  blath,  agus  ciod  is  fhiach 
an  cairdeas  mur  cumar  e  ? 

Breith  an  t-sluaigh 

Ach  cha  b'e  sin  an  t-aobhar  nach  robh 
ionndrainn  air  lehoram  an  uair  a  shiubhail  e. 
Cha  robh  caoidh  'n  a  dheidh-san  a  chionn  nach 
robh  duine  anns  an  rioghachd  aig  an  robh  meas 
air.  Bha  e  'n  a  dhroch  dhuine  agus  'n  a 
dhroch  righ,  is  bha  iad  toilichte  a  chluinntinn 
gu'n  do  chaochail  e.  Feumaidh  gu  robh  gi-ain 
eagallach  aig  a  shluagh  fein  air,  oir  cha  leigeadh 
iad  a  chorp  a  steach  do  chladh  nan  righrean. 
Bha  e  air  a  thiodhlacadh  ann  an  aite-eigin  eile. 

Air  la  an  tiodhlacaidh  aig  larla  Shaftesbury 
bha  mile  gu  leth  de'n  rathad  air  an  deachaidh 
an  torradh  cho  diimhail  le  bochdan  Lunnainn  a 
bha  'ga  chaoidh  's  nach  robh  e  furasda  an 
cumail  air  an  ais,  is  bha  na  ceudan  dhiubh  a'  gul. 
An  sud  agus  an  so  fad  an  rathaid  bha  brat- 
aichean  aca  air  an  sgaoileadh,  air  an  do  sgriobh 
iad  ann  an  litrichean  mora,  / 

"  Bha  sinn  acrach  agus  lomnochd 
Agus  thug  e  dhuinn  biadh." 

"  Bha  sinn  bochd  agus  air  ar  dearmad 
Agus  thagair  e  as  ar  leth." 


An  uair  a  thubhairt  Daibhidh  ri  lonatan  nach 
bitheadh  e  'n  a  shuidhe  am  maireach  maille  ris 
an  righ  f  hreagair  lonatan,  "  lonndrainear  thu,  a 
chionn  gu'mbit'aite-suidhefalamh."  (1  Samuel 
XX.  18). 

Ach  cha  robh  ionndrainn  air  lehoram  ;  a 
dh'aindeoin  cumhachd  is  greadhnachas  a  righ- 
chathrach  dh'  f  hairtlich  air  gaol  no  gean-maith 
a  dhaoine  a  chosnadh,  is  bha  iad  toilichte  an 
uair  a  rug  an  t-eug  air.  Cha  bhreugnaichear 
Facal  an  Tighearn,  "  Bithidh  cuimhne  an 
fhirein  beannaichte  ;  ach  lobhaidh  ainm  nan 
aingidh." 

Drocli  dhuchas 
Ged  bha  athair  lehoraim  (lehosaphat)  'n  a 
dhuine  maith  agus  'na  dhuine  diadhaidh  rinn  e 
rud  nach  bu  choir  do  dhuine  glic  no  do  dhuine 
diadhaidh  a  dheanamh,  an  la  a  phos  e  a  mhac  ri 
Ataliah  nighean  Ahaib  agus  lesebeil,  ach 
phaigh  a  shliochd  gu  daor  air  a  shon  sin.  Ma 
bha  lesebel  'n  a  bana-mhortair  bha  lehoram 
'na  mhortair  cuideachd  ;  mhort  e  a  bhraithrean 
uile,  agus  feadhainn  eile  de  uachdaranaibh 
Israel,  air  ghaol  e  fein  a  dhaingneachadh  'n  a 
rioghachd.  Ach  an  deidh  laimhe  dh'  fhiosraich 
e  gur  fior  am  facal  ud,  "  Is  an-aoibhin  dhasan 
a  thogas  baile  le  fuil,  agus  a  dhaingnicheas 
cathair  le  aingidheachd,"  (Habacuc  II,  12). 

Tha  moran  de  na  trioblaidean  a  chithear  am 
measg  dhaoine  an  diugh,  anns  a'  bhaile-mhor 
agus  air  an  diithaich,  ag  eirigh  o'n  da  aobhar  so, 
droch  fhuil  agus  droch  phosaidhean.  Dh' 
fhaodainn  a  radh  mach  'eil  annt  ach  an  aon  ni, 
oir  is  ann  le  posaidhean  amaideach  a  tha  droch 
fhuil  air  a  deanamh  buan. 

"  Theid  an  duchas  an  aghaidh  nan  creag." 
"  Tagh  do  bhean  mar  is  maith  leat  do  chlann." 
"  Thoir  bean  a  ifrinn  is  bheir  i  ann  thu." 
"  Cha   dual   do'n    onoir    a   bhi    an    ogha    a' 
mheirlich." 

Tha  gras  Dhe  ag  oibreachadh  an  comhnuidh 
air  taobh  fireantachd,  agus  is  e  aon  de  na 
doighean  anns  a  bheil  e  ag  oibreachadh  gu 
h-eifeachdach  agus  gu  samhach  (cho  samhach 
agus  cho  diomhair  's  nach  'eilear  a'  toirt  an  aire 
dha)  gu  bheil  e  a'  toirt  ghocas  do  dhaoine  gun 
iad  fein  a  cheangal  gu  neo-chothromach  ri 
teaghlaichean  anns  a  bheil  droch  fhuil. 

Slighean  amaideach 
Ach  b'e  a'  mhearachd  bu  mho  a  rinn  lehoram 
'n  a  bheatha  uile,  gu'n  do  threig  e  Dia  'aithri- 


2 


DUINE  GUN  lONNDRAINN  AIR— ANNS  A^  CHATHAIR 


chean.  Rinn  e  dimeas  air  Carraig  a  shlainte. 
Ghluais  e  ann  an  slighean  tigh  Ahaib,  ach  b'  e 
crioch  nan  slighean  sin  am  has.  Dh'  fhas  e 
uaibhreach  is  ain-diadhaidh,  gus  mu  dheireadh 
nach  robh  eagal  Dhe  no  dhaoine  air.  An  sin 
rinn  am  faidh  Eliah  a  dhleasdanas,  agus 
labhair  e  ris  an  righ  ann  an  ainm  an  Tighearn  : 

"  Mar  so  tha  an  Tighearn  ag  radh,  A  chionn 
nach  do  ghluais  thu  ann  an  slighibh  t' 
athar,  lehosaphat,  no  ann  an  slighibh  Asa, 
righ  ludaih,  ach  gu'n  do  ghluais  thu  ann 
an  slighe  righrean  Israeil,  agus  gu'n  d'  thug 
thu  air  ludah  agus  luchd-aiteachaidh 
lerusaleim  striopachas  a  dheanamh,  agus 
gu'n  do  mharbh  thu  do  bhraithrean  a  b' 
fhearr  na  thu  fein,  feuch  buailidh  an 
Tighearn  le  plaigh  mhor  do  shluagh,  agus 
do  chlann,  agus  do  mhnathan,  agus  do 
mhaoin  uile,  agus  bithidh  tu  ann  an  tinneas 
nior  le  eucail  do  mhionaich,  gus  an  tuit  do 
mhionach  a  mach  leis  an  eucail,  o  la  gu  la." 

Da  bhliadhna  'n  a  dheidh  sin  bha  lehoram 
marbh,  le  galair  uamhasach,  agus  gun  e  ach  da 
fhichead  bliadhna  a  dh'  aois,  ach  cha  robh  duine 
anns  an  rwghachd  'g  a  ionndrainn. 

Deireadh  muladach  aig  beatha  neach  air  bith! 

Bannan  graidh 

Ged  bha  Nero  'n  a  mhortair,  agus  'n  a 
dhrongair,  agus  'n  a  dhuine  borb,  an  oidhche  an 
deidh  dha  a  bhi  air  a  thiodhlacadh,  chaidh 
boirionnach  air  chor-eigin  is  chuir  i  fliiraichean 
air  'uaigh.  Bha  neach  ann  a  bha  'g  a  ionndrainn. 
Ach  cha  robh  ionndrainn  sam  bith  air  lehoram. 

An  uair  a  chruinnicheas  na  coimhearsnaich  a 
ghiiilan  corp  a'  mhairbh  do'n  chill  nach  bu 
truagh  an  gnothuch  e,  na'm  b'e  an  smuain  so  a 
bhiodh  'n  an  inntinnean  uile  a  thaobh  an  fhir 
nach  maireann,  Duine  gun  fheum  ;  heatha  gun 
fheum  ! 

Duine  leis  am  bu  mhaith  cairdean  a  bhi  aige, 
feumaidh  e  bhi  cairdeil. 

Duine  nach  dichuimhnich  e  fein  uair  air  bith, 
dichuimhnichidh  daoine  eile  e  gu  luath.  Bha 
so  air  a  chur  ann  am  briathran  as  fhearr  na  m' 
fheadhainn-sa  le  Neach  a  bhitheas  a  bhriathran 


beo  gu  brath,  "  Ge  b'  e  neach  a  dh'  iarras  a 
bheatha  fein  a  thearnadh,  caillidh  e  i  ;  agus  ge 
b'  e  neach  a  chailleas  a  bheatha,  gleidhidh  e  i." 

Duine  nach  'eil  air  a  cheangal  ri  daoine  eile  le 
bannaibh  graidh,  no  nach  'eil  a'  smuaineachadh 
ach  air  na  nithean  anns  a  bheil  buannachd  da 
fein,  sin  agad  duine  gun  fheum  agus  beatha  gun 
fheum,  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  gheibh 
e  a  dhuais  dhligheach,  cha  bhi  ionndrainn  aig 
duine  sam  bith  air  an  uair  a  shiiibhlas  e. 

Duine  maith? 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  aig  tiodhlacadh 
duine  nach  abrainn  gu'm  bu  duine  diadhiadh 
e,  anns  an  t-seagh  anns  am  bi  sinn  a'  cleachdadh 
an  fhacail.  Ach  bha  e  anabarrach  truacanta 
agus  coibhneil.  Bha  sluagh  mor  aig  an  tiodh- 
lacadh ;  na  ceaird  f hein,  am  measgnacuideachd, 
agus  iad  uile  cruinn  a  chionn  gu'na  bu  toigh  leo 
an  duine.  Bha  breith  a  choimhearsnach  agus 
breith  na  diithcha  uile  air  an  duine  ud  soilleir 
do'n  t-saoghal  uile.  Thainig  an  smuain  'n  am 
inntinn  gu'm  faod  e  bhith  nach  'eil  Dia  agus 
sinne  a'  ciallachadh  an  aon  ni  leis  an  fhacal 
diadhaidh.  Chan  'eil  ann  am  facal  ach  facal 
fhein.  Nach  faod  gu  bheil  coibhneil  agus 
diadhaidh  a'  ciallachadh  an  aon  ni  ann  an  cainnt 
neimh,  ged  nach  'eil  iad  'ga  chiallachadh  'n  ar 
beachd-ne  ?  Co  dhiii  tha  Facal  an  Tighearn  ag 
radh  gur  e  aon  de  thoraidhean  an  Spioraid  a  tha 
ann  an  coibhneas.  Am  faod  duine  a  bhi 
coibhneil  gun  a  bhi  maith,  agus  am  faod  e  bhi 
maith  gun  a  bhi  diadhaidh  ?  An  rud  ris  an 
abair  sinne  maitheas  nadurra,  a  bheil  e  chum 
feum  ann  an  sealladh  Dhe  ?  Bhaist  Calum- 
cille  ann  an  Gleann  Urchadain  seann  duine  aig 
nach  robh  eolas  air  Criosd  agus  nach  robh  air  a 
theagasg  anns  a'  Chreideamh  Chriosduidh,  a 
chionn  gun  do  chum  e  a  mhaitheas  nadurra  gun 
truailleadh.  Bhaist  e  fear  eile  de'n  cheart 
sheorsa  anns  an  Eilean  Sgitheanach.  Cha  bu 
mhaith  leamsa  coire  fhaotainn  do  Chalum-cille 
naomh,  ach  tha  an  rud  a  rinn  e,  agus  an  naidh- 
eachd  a  dh'  innis  mi  fhein  mu  thorradh  an  duine 
choibhneil  a'  togail  cheistean  nach  gabh  cur  a 
thaoibh  le  suarrachas  ;  ceistean  air  am  bu  choir 
dhuinn  ar  buadhan  spioradail  a  chleachdadh 
chum  inntinn  agus  riiintean  Dhe  a  thuigsinn. 


Anns  a'  Chathair 


AN  toiseach  na  bliadhna  f huair  mi  litir  air  am 
xA-bu  mhaith  leam  iomradh  a  dheanamh  air  an 
duilleig  so.  Thainig  i  thugam  le  post  a'  bhuinn- 
a-sia  ;  air  a  sgriobhadh  an  clodh,  ged  bha  ainm 
an  fhir  a  sgriobh  i  aig  a  bonn,  fear-fearainn  air  a 
bheil  muinntir  an  Taobh  Tuath,  agus  gu 
sonruichte  muinntir  Inbhir-Nis,  eolach,  Uisdean 
Rbs,  Caisteal  Chill-Rathaig,  an  Inbhir-Narunn. 
Chan   aithne   dhomh   Mghr  Ros   agus   chan 


aithne  dha  mi ;  mar  sin  chan  ann  thugam-sa  a 
mhain  a  bha  an  litir  so  air  a  cur  ach  a  dh'  ionn- 
suidh  moran  mhinistearan  eile  an  Albainn, 
agus  is  e  an  t-aobhar  gu'n  do  sgriobh  e  i,  gu 
bheil  amharus  aige  nach'  'eil  ministearan  an 
diugh  a'  searmonachadh  an  t-soisgeil,  agus  gu  bheil 
a'  mhor-chuideachd  de  'n  t-sluagh  tur  aineblach  air 
Slighe  na  Slainte. 

A  bheil  sin  f  ior  ?    Ma  tha,  is  gnothuch  bochd 


ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


e  ;    agus  mur  bheil  e  fior,  ciamar  a  bhuail  an 
t-amharus  so  an  inntinn  Mhghr  Ros  ? 

Ach  an  toiseach,  leigidh  mi  leis  fhein  bruidh- 
inn,  oir  theid  aige  air  sin  a  dheanamh  gu 
h-6rdail  agus  gu  soilleir  : 

"  Air  mu  chuairt  air  feadh  na  duthcha  o  am 
gu  am,  agus  an  seanchas  ris  gach  seorsa 
dhaoine,  tha  e  a'  cur  uamhais  orm  na  tha 
tachairt  orm  de  dhaoine  a  tha  tur  aineolach 
air  Slighe  na  Slainte,  no  ciamar  a  ghabhas 
reite  ri  Dia  faotainn.  Tha  iad  mar  dhaoine 
ann  an  ceo  ;  ag  earbsadh  gu  fann  leanabail 
ri  trocair  Dhe  ach  gun  eolas  air  bith  aca  air 
firinnean  an  t-soisgeil  ;  gur  ann  tre  iobairt- 
reite  Chriosd  air  a'  chrann-cheusaidh  a  tha 
peacaich  air  an  saoradh,  agus  gur  ann  aca- 
san  a  mhain  a  tha  air  am  fireanachadh  tre 
chreideamh  a  tha  sith  ri  Dia.  Tha  mi 
dearbh  chinnteach  nach  e  mhain  gu  bheil  a' 
chuid  mhor  de  na  daoine  a  tha  dol  do'n 
eaglais  aineolach  air  teagasg  nan  Sgriob- 
turan  a  thaobh  Slighe  na  Slainte,  ach 
nach  'eil  faireachduin  air  bith  aca  gu  bheil 
feum  aca  a  bhi  air  an  tearnadh." 

Anns  an  dorchadas 

Tha  e  ag  radh  gu  bheil  an  sluagh  ann  an 
dorchadas  a  chionn  nach  'eil  ministearan  an  la 
so  a'  toirt  rabhaidh  dhaibh  mu  chorruich  Dhe 
an  aghaidh  peacaidh,  no  a'  togail  Chriosd  fa  'n 
comhair  mar  Shlanuighear,  is  tha  e  ag  eara- 
lachadh  air  ministearan  na  h-braidean  gun  sois- 
geul  annta  a  bhitheas  iad  a'  leughadh  anns  a' 
chtibaid  a  chur  anns  an  teine,  agus  labhairt  ri 
daoine  gu  simplidh  mu'n  doigh  anns  am  faod 
iad  maitheanas  fhaotainn  agus  reite  ri  Dia. 
Sin  agus  nithean  eile  de'n  t-seorsa  sin  tha  Mghr 
Ros  ag  radh  ri  ministearan  na  h-Alba,  agus  tha  e 
'g  a  dhaingneachadh  le  iomadh  earrann  de'n 
Bhiobull,  ged  nach  'eil  cuid  de  na  h-earrannan 
sin  a'  ciallachadh  an  rud  a  tha  esan  a'  cur  annta. 

An  uair  a  leugh  mise  an  litir  so  thog  i  smuain 
no  dha  'n  am  inntinn,  agus  an  smuain  so  air 
thoiseach  air  each,  a  bheil  cubaidean  na  h-Alba 
an  diugh  gun  soisgeul  annta,  agus  an  e  sin  an 
t-aobhar  gu  bheil  na  h-eaglaisean  cho  falamh  ? 

Na  laithean  maith 

Sin  ceistean  a  tha  duilich  am  freagairt  oir 
chan  'eil  moran  eolais  aig  a'  chuid  mhor  de 
dhaoine  ach  air  an  eaglais  d'  am  bi  iad  fhein  a' 
dol ;  chan  'eil  f  hios  aca  ciod  a  tha  dol  air 
aghaidh  ann  an  eaglaisean  eile.  Ach  feumaidh 
mi  a  radh  gu'm  bi  mi  a'  cluinntinn  dhaoine  eile 
an  sud  agus  an  so  ag  radh  a'  cheart  ni  a  thubh- 
airt  Mghr  Ros,  nach  'eil  an  soisgeul  air  a 
shearmonachadh  an  Albainn  an  diugh  mar  bha 
e  air  a  shearmonachadh  o  chionn  tri  fichead 
bliadhna,  agus  nach  cluinnear  ann  an  cubaidean 
ach  fuaim  neo-chinnteach.  Ach  feumaidh  mi 
a  radh  cuideachd  gu'm  bi  mi  a'  cluinntinn  nan 


daoine  so  ag  radh  a'  cheart  rud  mu  nithean  eile, 
mu  sgoilean,  mu  obair  Parlamaid,  mu  thuathan- 
achd,  mu  sheoladh,  mu  dhoighean  dhaoine, — 
chan  'eil  gin  dhiubh  sin  cho  maith  's  a  bha  iad 
'n  an  oige-san.  Ma  tha  iad  cinnteach  nach  'eil 
ministearan  an  diugh  a'  teagasg  na  firinn  cho 
laidir  no  cho  soilleir  's  a  theagaisg  Spurgeon  no 
Moody  i,  tha  iad  a  cheart  cho  cinnteach  nach 
'eil  ann  am  buill  na  Parlamaid  ach  coinnlean 
bochd  an  coimeas  ri  Gladstone.  Bha  a  h-uile 
ni,  o'n  t-sid  gus  an  diadhaidheachd,  na  b'  f  hearr 
'nuair  bha  sinn  6g  na  tha  iad  an  diugh  ! 

Cha  bu  mhaith  leam  a  chreidsinn  nach  'eil  an 
soisgeul  air  a  shearmonachadh  an  Albainn  an 
diugh,  ach  creididh  mi  nach  'eil  e  air  a  shear- 
monachadh air  an  aon  doigh  anns  am  b'  abhaist 
dhuinn  a  chluinntinn.  Tha  atharrachadh  a' 
tighinn  air  teagasg  agus  doighean-teagaisg  na 
h-eaglais  mar  tha  atharrachadh  a'  tighinn  air 
nithean  eile,  ach  am  bitheantas  cha  chron  sin 
ach  buannachd.  An  uair  a  bha  mi  'n  am 
bhalach  agus  'n  am  oileanach  6g  bha  cothrom 
agam  air  iomadh  searmon  Gaidhlig  a  chluinn- 
tinn ann  an  iomadh  eaglais,  ach  an  uair  a  sheallas 
mi  air  m'  ais  agus  a  chuimhnicheas  mi  air  na 
searmoin  a  chuala  mi  chan  'eil  mi  idir  a' 
creidsinn  gu  robh  an  teagasg  na  b'  fhearr  no  na 
bu  sgriobturaile  na  tha  e  an  diugh. 

Ministearan  soisgeulach  ? 

Anns  na  seann  laithean  theirteadh  minis- 
tearan soisgeulach  ri  seorsa  dhaoine  nach  robh 
a'  teagasg  an  Tiomnaidh  Nuaidh  gu  cothromach 
idir  ;  aig  nach  robh  ach  an  aon  duan  a  h-uile 
Sabaid,  a'  toiseachadh  aig  tuiteam  Adhaimh, 
agus  ag  innseadh  mu  innleachd  na  Saorsa  a 
choisinn  an  Slanuighear  dhuinn  o  thruaighean 
ifrinn,  gus  an  criochnaicheadh  iad  le  bhi  ag 
earalachadh  air  peacaich  gabhail  ri  tairgse  na 
Slainte  air  eagal  gu'm  bitheadh  iad  air  an  sgrios 
gu  siorruidh,  Cuimhnich,  a  leughadair,  nach 
ann  a'  faotainn  coire  dhaibh  a  tha  mi.  Chan 
ann  idir  ;  ach  tha  soisgeul  Chriosd  na's  farsuinge 
agus  na's  doimhne  na  gu'n  gabh  e  cur  ann  an 
aon  fhacal,  mar  gu'm  bitheadh  tu  ag  innseadh 
do  chloinn  bhig  gu  bheil  2  +  2  =  4.  An  uair  a 
bhruidhneas  searmonaiche  ri  daoine  mar  gu'n 
rachadh  aige-san  air  an  t-soisgeul  a  dheanamh 
simplidh  agus  soilleir  dhaibh  chan  'eil  e  ach  a' 
smuaineachadh  air  Sibolet  air  chor-eigin  dha 
fhein.  Ach  chan  ann  le  Sibolet  a  tha  an 
diadhaidheachd  air  a  diisgadh  anns  an  anam,  is 
cha  mho  is  ann  le  Sibolet  a  tha  i  air  a  beathach- 
adh,  ach  leis  an  Spiorad  Naomh  a  sheideas  far 
an  aill  leis. 

Anns  na  seann  laithean,  ciod  air  bith  an 
ceann-teagaisg  a  ghabhadh  ministear,  cha  robh 
ach  aon  seanchas  aige  ;  dh'  innseadh  e  ann  an 
aon  doigh  no  ann  an  doigh  eile  mu  innleachd  no 
plan  na  Saorsa  a  rinn  Dia  ann  an  Criosd.  Cha 
robh  ach  gle  bheag  de  theagasg  Chriosd  air 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


a  mhineachadh,  no  air  a  chur  ri  inntinnean  agus 
ri  coguisean  dhaoine.  Bha  an  soisgeul  uile  anns 
a'  phlan  ;  b'e  crioch  araidh  an  t-searmonaiche 
peacaich  a  shaoradh  o'n  f  heirg  a  bha  ri  teachd, 
ach  cha  robh  doigh  eile  air  an  saoradh  mur 
creideadh  iad  am  plan.  Sin  an  t-aobhar  gu'm 
bu  mhaith  le  Uisdean  Ros,  agus  le  daoine 
maith  eile,  an  ceann-teagaisg  so  a  chluinntinn 
aig  ministearan  a  h-uile  Sabaid,  "  Creid  anns  an 
Tighearn  losa  Criosd  agus  tearnar  thu." 

Criosd  an  soisgeul 

Tha  mi  an  dochas  gu'n  cluinnear  an  ceann- 
teagaisg  so  ann  an  ciibaidean  na  h-Alba  cho  trie 
's  a  chluinnteadh  e  an  linn  ar  n-aithrichean,  ach 
air  a  shon  sin  tha  ceudan  a  dh'  earrannan  eile 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  a  tha  a  cheart  cho 
soisgeulach  ris  na  briathran  so.  Chan  'eil  ann 
am  briathran  ach  briathran  fhein  ;  chan  ann  ann 
am  briathran  a  tha  an  soisgeul  ach  ann  an  Criosd, 
agus  ciod  air  bith  doigh  anns  a  bheil  Criosd  air  a 
thoirt  fa  chomhair  inntinnean  dhaoine,  gach  uair 
a  tha  sin  a'  tachairt,  tha  an  soisgeul  air  a 
shearmonachadh. 

Ged  nach  'eil  Dia  no  an  soisgeul  ag  atharrach- 
adh  tha  na  daoine  a  tha  'g  a  shearmonachadh  ag 
atharrachadh  agus  na  daoine  a  tha  'g  a  eis- 
deachd,  agus  is  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  a 
h-uile  gineal  an  diiil  gu  bheil  a'  ghineal  iir  a  tha 
ag  eirigh  'n  an  deidh  a'  claonadh  air  falbh  o'n 
fhirinn.  Bha  am  beachd  sin  aig  daoine  riamh 
is  bithidh  gu  brath,  ach  ma  sheallas  tu  air  t'  ais 
thar  nan  linntean  chi  thu  nach  'eil  ach  gle  bheag 
de'n  fhirinn  ann. 

Cho  fad  's  a  tha  m'  f hiosrachadh  fhein  a'  dol 
theirinn  gu  bheil  teagasg  an  Tiomnaidh  Nuaidh 
air  a  chur  air  beulaibh  an  t-sluaigh  an  diugh  na's 
soilleire  na  bha  e  riamh  roimhe,  gu  sonruichte 
teagasg  Chriosd.  An  uair  a  chuimhnicheas  mi 
air  na  searmoin  a  chuala  mi  'n  am  bhalach,  no 
sheallas  mi  air  na  cinn-theagaisg  aig  na  searn:ioin 
a  bha  air  an  cur  an  clodh  le  seana  mhinistearan 
a  bha  ainmeil  anns  a'  Ghaidhealtachd  bha  a' 
chuid  mhor  dhiubh  air  an  toirt  a  litrichean 
Phoil  agus  as  an  t-Seann  Tiomnadh.  Cha  robh 
a  bheag  de  mhineachadh  air  a  dheanamh  air 
teagasg  Chriosd  ;  bha  sin  air  fhagail  a  mach 
agus  an  cudthrom  uile  air  a  chur  air  a  bhas. 
Ach  ged  tha  soisgeul  ann  an  litrichean  Phoil  cha 
bu  mhaith  leam  a  radh  gu  bheil  barrachd  de'n 
t-soisgeul  annta  na  tha  ann  am  briathran 
Chriosd,  is  cha  mho  a  bhitheadh  mo  choguis 
reidh  rium  mar  shearmonaiche  na'n  glacainn  mi 
fhein  a'  searmonachadh  a  litrichean  nan  Abstol 
na's  trice  na  mu  bhriathran  Chriosd. 

Doighean  ura 

Tha  diiil  aig  daoine,  na'n  tigeadh  Iain  Wesley 
no  D.  L.  Moody  air  an  ais  an  diugh,  gu'm 
faigheadh  iad  bhuapa  gun  atharrachadh  air  bith 
an  soisgeul  mar  b'  abhaist  dhaibh  a  shearmon- 


achadh. Ach  na'n  robh  aig  na  daoine  diadhaidh 
sin  ri  labhairt  ris  a'  ghineal  so,  b'e  a'  cheud  rud 
a  dheanadh  iad  an  seann  searmoin  a  chur  anns 
an  teine,  is  labhradh  iad  ann  an  cainnt  agus  ann 
an  guth  na  gineil  so  fhein. 

Cluinnidh  mi  daoine  ag  radh  air  uairean  nach 
deanadh  Moody  an  diugh  an  obair  mhor  agus 
bheannaichte  a  rinn  e  anns  an  diithaich  so  an 
1874.  Chan  'eil  mise  a'  creidsinn  sin.  Theag- 
amh  nach  deanadh,  na'n  gabhadh  e  an  doigh 
a  bha  aige  air  toil  agus  coguis  dhaoine  a  ghluasad 
an  1874,  ach  tha  mile  rathad  air  faotainn  gu 
toil  agus  coguis  dhaoine,  is  gheibheadh  Moody 
rathad  iir  thuca,  a  chionn  gu'm  bu  duine  e  anns 
an  robh  cumhachd  an  Spioraid  Naoimh.  Chan 
'eil  teagamh  nach  do  dhiiisg  Wesley  agus  Moody 
ciiram  spioradail  ann  an  aireamh  mhor  dhaoine 
le  bhi  a'  maoidheadh  piantan  ifrinn  is  teine 
siorruidh  orra,  ach  cha  chuireadh  na  maoidh- 
eanna  sin  eagal  no  gluasad  ann  an  cridheachan 
dhaoine  an  diugh,  is  ghabhadh  Moody  doigh  iir 
air  an  coguis  agus  an  cridhe  a  leon.  Ach  ciod 
air  bith  a'  chainnt  anns  an  cuireadh  e  e,  cha 
bhiodh  Moody  gun  soisgeul.  Chan  'eil  ann  am 
briathran  ach  briathran  fhein,  oidhirp  air 
greimeachadh  air  nithean  a  tha  neo-fhaicsinn- 
each.  Tha  cainnt  aimsireil  is  caochlaideach,  ach 
tha  an  Fhirinn  siorruidh  agus  gu7i  atharrachadh. 

Teagasg  spioradail 

Ach  ged  nach  'eil  mi  ag  aontachadh  leis  an 
fheadhainn  a  tha  ag  radh  gu  bheil  na's  lugha  ^ 
de'n  t-soisgeul  ann  an  ciibaidean  na  h-Alba  an 
diugh  na  bha  annta  o  shean  chan  'eil  sin  a' 
ciallachadh  gu  bheil  mi  an  diiil  gu  bheil  ciiisean 
cho  maith  's  nach  iarramaid  na  b'  fhearr.  Tha 
feum  aig  an  eaglais  an  diugh  air  searmoin 
spioradail,  teagasg  ciiiin  mu  bheatha  na 
diadhaidheachd,  agus  mu'n  doigh  anns  am  faod 
daoine  iad  fein  a  chumail  ann  an  dliiths  ri  inn- 
tinn  Chriosd.  Sin  a  tha  moran  dhaoine  ag  ionn- 
drainn  nach  'eil  iad  a'  faotainn  anns  an  eaglais, 
fianuis  phearsonta  a  sheolas  dhaibh  ciamar  a 
gheibh  iad  an  neart  agus  an  t-sith  spioradail  a 
tha  iad  a'  miannachadh.  Cha  bhiodh  e  chum 
feum  air  bith  a  bhi  a'  glaodhach  Sabaid  as  deidh 
Sabaid  ris  na  daoine  sin,  "  Teichibh  o'n  f  heirg  a 
tha  ri  teachd,"  cha  bhiodh  ann  ach  facal  a 
rachadh  a  steach  air  an  dara  cluais  agus  a  mach 
air  a'  chluais  eile,  ach  air  a  shon  sin  tha  iarraidh 
aca  air  beatha  na  diadhaidheachd,  agus  bu 
mhaith  leo  cuideachadh  f  haotainn  o  neach  aig  a 
bheil  inntinn  spioradail  agus  fiosrachadh  'n  a 
anam  fhein  air  na  nithean  a  tha  e  a'  teagasg  as 
an  Tiomnadh  Nuadh. 


Searmoin  gun  fheum 

Mar  is  dliiithe  a  chumas  ministearan  ri  Facal 
an  Tighearn,  agus  gu  sonruichte  ri  teagasg 
Chriosd  is  ann  is  mo  a  gheibh  an  luchd-eisdeachd 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


de  mhaith  o'n  searmonachadh,  co  dhiu  a  tha  iad 
fada  air  an  aghaidh  anns  a'  bheatha  dhiadhaidh 
no  f  hathast  aig  a'  gheata.  Tha  seorsa  shearmen 
ann  a  bu  choir  do  mhinistearan  a  sheachnadh,  a 
chionn  nach  'eil  buannachd  air  bith  annta  ; 
searmoin  mu  chor  an  t-saoghail  agus  mu 
nithean  a  tha  dol  air  aghaidh  anns  na  rioghach- 
dan ;  searmoin  anns  am  bi  iad  a'  trod  ris  a' 
choimhthional  a  chionn  nach  'eil  daoine  a'  dol 
do'n  eaglais  no  a'  toirt  airgid  dhi  ;  searmoin  a 
bhios  a'  cur  sios  air  a'  Phapa,  no  air  eaglaisean 


eile,  no  air  Higher  Critics,  no  air  neach  eile  ; 
agus  searmoin  anns  nach  'eil  ach  deasbud  mu 
phuingean  sgoilearachd  aig  nach  'eil  buintealas 
air  bith  ri  beatha  na  diadhaidheachd. 

Is  e  crioch  araidh  ar  searmonachaidh  iarraidh 
air  a'  bheatha  naoimh  is  mhaisich  a  dhusgadh 
ann  an  cridheachan  dhaoine,  agus  is  sona  am 
ministear  aig  a  bheil  an  t-ionracas  agus  an 
t-eolas  'n  a  chridhe  fein  a  ni  comasach  dha  an 
t-seirbhis  sin  a  dheanamh  dhaibh.  Is  soisgeul 
facal  air  bith  a  bheir  Dia  g:u  cuimhne  dhaoine. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


"  luchair  gach  uile 

SIN  facal  a  gheibhear  ann  an  seann  leabhar- 
dotaireachd  a  bha  ann  an  teaghlach  nan 
Hghichean  ainmeil,  na  Beutonaich  a  bha  ann 
an  He,  ann  am  Muile,  agus  anns  an  Eilean 
Sgitheanach. 

B'e  Ipocrait  an  doigh  anns  an  sgriobhadh  na 
Gaidheil  ainm  an  lighiche  Ghreugaich,  Hippo- 
crates :  duine  a  bha  cho  ainmeil  ri  Plato,  no  ri 
Aristotle,  no  ri  Alasdair  Mor.  Thainig  uiread 
de  nithe  maithe  as  a'  Ghreig  's  gu'm  bitheadh 
am  facal  na  b'  fhearr  na'n  robh  e  air  a  chur  mar 
so,  "  luchair  gach  uile  eblais  a'  Ghreig."  A' 
chuid  mhor  de  na  coinnlean  a  thug  solus  do'n 
t-saoghal  roimh  so,  bha  iad  air  an  lasadh  anns 
a'  Ghreig. 

Theagamh  gu  bheil  daoine  beo  anns  a' 
Ghaidhealtachd  fhathast  a  bha  air  an  dotair- 
eachd  a  reir  "  riaghailtean  na  Slainte,"  a  sgriobh 
Hippocrates,  agus  a  bha  air  an  tionndadh  gu 
Gaidhlig  leis  na  Beutonaich,  ged  a  shiubhail  e 
tri  cheud  gu  lethbliadhna  roimh  bhreithChriosd. 
Gus  o  chionn  iiine  ghoirid  cha  do  rinn  an  dot- 
aireachd  adhartas  mor  seach  mar  bha  i  anns 
an  t-seann  t-saoghal. 

Ach  chan  ann  mu  Hippocrates  no  mu'n 
Ghreig  a  tha  mi  dpi  a  sheanchas  air  an  duilleig 
so  an  drasd,  ach  mu  rud  no  dha  eile  aig  a  bheil 
seorsa  de  bhuintealas  riu,  smuaintean  a  dh' 
eirich  'n  am  inntinn  fhein  an  uair  a  bha  mi  a' 
sealltuinn  thairis  air  seann  sgriobhadh  anns  an 
robh  Ipocrait  agus  na  Beutonaich  air  an  ainm- 
eachadh  mar  hghichean  aig  an  robh  eolas 
agus  ealadhain  os  cionn  lighichean  eile. 

Duals  nan  dotairean 

Chan  'eil  obair  air  an  t-saoghal  as  ion-mhiann- 
aichte  na'n  dotaireachd,  no  seorsa  dhaoine  a 
tha  faotainn  uiread  ris  na  dotairean  de  ghean- 
maith  an  co-chreutairean.  Am  bitheantas  is 
airidh  iad  air,  oir  tha  iad  fhein  'n  an  daoine 
coibhneil  agus  caomhail,  ach  a  thaobh  a  bhi  'n 
an  comain  agus  buidheachas  a  thoirt  dhaibh 
tha  iad  daonnan  a'  faotainn  tomhas  maith,  air 
a  dhinneadh.  Is  ann  fior  annamh  a  chluinneas 
tu  duine  ag  radh  facal  an  aghaidh  dotair,  no  a' 


eblais  Ipocrait 

cur  sios  air,  mar  a  bhios  iad  a'  cur  sios  air  minis- 
tearan  agus  air  maighstirean-sgoile.  Cluinnidh 
tu  daoine  ag  radh  air  uairean  mu  mhinistear, 
no  mu  mhaighstir-sgoil,  "  nach  'eil  smod  tiiir 
ann,"  ach  chan  abair  iad  sin  mu  dhotair.  An 
e  eagal  a  tha  orra  gu'n  toir  e  dhaibh  pile  a 
chuireas  'n  an  tosd  iad  gu  brath  ?  No  an  e 
eagal  a  tha  orra  dad  cearr  a  radh  uime  agus 
gun  fhios  aca  c'uin  a  dh'  fhaodas  iad  a  bhi  'n 
a  fhreasdal  ?  No  a  bheil  iad  a'  toirt  urraim 
agus  geill  dha  a  chionn  gu  bheil  an  dotaireachd 
cho  fada  os  cionn  an  eolais  fein  's  nach  gabh 
iad  gnothuch  idir  ris  ?  Theagamh  gu  bheil  na 
h-aobharan  sin  uile  ag  oibreachadh  ann  am 
fabhar  an  dotair,  ach  is  e  an  t-aobhar  mu 
dheireadh  an  fhior  aobhar  nach  'eilear  deas  gu 
bhi  faotainn  coire  dha,  gu  sonruichte  ma  tha  e 
coibhneil  'n  a  bhruidhinn  agus  fritheilteach  air 
dol  a  shealltuinn  dhaoine  tinne. 

Mumbo  lumbo 
A  thaobh  obair  mhinistearan  agus  mhaigh- 
stirean-sgoile  tha  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine 
a'  saoilsinn  gu  bheil  am  beachdan  agus  an 
smuaintean  fein  a  cheart  cho  maith  ri  beachdan 
na  feadhnach  a  tha  a'  teagasg,  agus  fad  na 
h-uine  a  tha  iad  ag  eisdeachd  anns  an  eaglais 
tha  iad  'n  an  suidhe  ann  an  cathair-bhreith- 
eanais,  ag  aontachadh  ris  na  tha  iad  a'  cluinn- 
tinn,  no  a'  diultadh  gabhail  ris  mar  fhirinn. 
Sin  an  inntinn  anns  a  bheil  iad  an  lathair  a' 
mhinistir  ;  tha  iad  a'  cleachdadh  an  reusoin 
agus  am  breithneachaidh  fhein  (mar  tha  e 
ceart  dhaibh  a  dheanamh),  ach  a  cheart  cho 
luath  's  a  bhruidhneas  an  dotair  tha  an  inntinn 
a'  sgur,  is  tha  e  dhaibh  mar  Mhumbo-Iumbo 
ris  nach  bitheadh  e  cneasda  gnothuch  a 
ghabhail. 

Umhlachd  gun  cheist 

Na  'n  rachadh  an  t-Ollamh  Alasdair  Martainn, 
no  an  t-Ollamh  W.  P.  Paterson  a  mach  do'n 
Eilean  Fhada  a  labhairt  mu'n  daimh  anns  a 
bheil  pearsachan  na  Trianaid  r'a  cheile,  chan  'eil 
duine  ann  an  Leodhas  os  cionn  fichead  bliadhna 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


a  shaoileadh  gu'm  bu  choir  dhaibh  gabhail  ris 
an,  teagasg  air  urras  nan  daoine  a  bha  'g  a 
thoirt  dhaibh,  no  gu'm  biodh  e  dalma  dhaibh 
gnothuch  a  ghabhail  ri  nithean  a  bha  os  cionn 
an  eolais.  Bhitheadh  iad  an  diiil  gu  robh 
iad  fhein  cho  eolach  anns  na  diomhaireachdan 
sin  ri  OUamhan  Dhiin-Eideann.  Ach  na'm 
fasadh  neach  tinn,  agus  na  'n  abradh  an 
dotair  ris  an  duine  a  chaidh  'g  a  iarraidh, 
"  Sin  agad  botul  ;  ruith  cho  luath  's  a  rinn 
thu  riamh,  agus  a'  cheart  mhionaid  a  theid 
thu  steach  air  an  dorus  iarr  orra  Ian  gu 
leth  spaine  a  thoirt  dha,  agus  fear  de  na 
pileachan  so  coig  mionaidean  'n  a  dheidh,  agus 
tri  mionaidean  'n  a  dheidh  sin,  cuiribh  air  a 
bheul  's  air  a  shroin  e  air  an  leabaidh,  is  buailibh 
a  shailtean  ri  cheile  gus  an  caidil  e," — nach 
saoil  mi  gu  bheil  mi  a'  faicinn  an  duine  a' 
deanamh  ruith  nach  fhacas  a  leithid  bho  dh' 
fhalbh  Caoilte,  no  Pheidippides,  no  Eric  Liddell, 
agus  nach  saoil  mi  gu  bheil  mi  a'  faicinn 
muinntir  an  tighe  agus  coimhearsnaich  choire 
'g  an  cuideachadh,  a'  cur  na  spaine  anns  an 
t-solus  air  eagal  gu'n  rachadh  aon  bhoinne  innte 
a  bharrachd  air  na  dh'iarr  an  dotair,  no  na  bu 
lugha,  agus  uaireadairean  air  am  bois  gus  am 
pile  a  thoirt  do'n  duine  thinn  air  an  dearbh 
mhionaid. 

Creideamh  anns  a*  bhotul 

Sin  an  iimhlachd  a  bheirear  do  na  dotairean, 
gun  uiread  agus  fhoighneachd  dhiubh  ciod  a 
chuir  iad  anns  a' bhotul,  no  car  son  nachdeanadh 
e  feum  a  cheart  cho  maith  ordagan  an  duine  a 
bhualadh  ri  cheile  an  aite  a  shailtean  ?  Cuimh- 
nich,  a  leughadair,  nach  ann  a'  faotainn  coire  do 
na  dotairean  a  tha  mi  ;  chan  ann  idir,  ach  so 
an  rud  a  bha  mi  dol  a  radh,  gu'n  rachadh  daoine 
a  steach  do  rioghachd  Dhe  'n  am  miltean  'n  an 
tugadh  iad  aire  agus  iimhlachd  do  na  riaghail- 
tean  spioradail  a  tha  iad  a'  faotainn  mar  bheir 
iad  do  na  riaghailtean  a  gheibh  iad  o'n  dotair. 
A  thuilleadh  air  sin,  faodar  dol  an  urras  air  an 
iocshlaint  a  tha  aig  ministearan  ri  thairgsinn  a 
dh'  aiseag  air  ais  slainte  do  pheacaich,  ach  c6 
a  theid  an  urras  air  a'  bhotul  ?  Ach  air  a  shon 
sin  chan  f  haic  is  cha  chluinn  thu  lighiche  uair 
air  bith  a'  cur  teagaimh  anns  a'  chungaidh  a 
tha  e  a'  toirt  dhuit,  no  a'  bruidhinn  mar  nach 
robh  e  cinnteach  ciod  a  tha  cearr  ort  no  ciod  a 
leighseas  tu.  Abraidh  e  cho  beag  's  is  urraihn 
dha,  seallaidh  e  cho  ghc  's  a  leigeas  a  choslas 
nadurra  dha,  is  feumaidh  tusa  am  botul  agus 
na  pileachan  a  ghabhail  air  f  hacal. 

Na  corrmhairean 

Tha  na  dotairean  an  diugh  air  an  roinn  'n  an 
da  bhuidheann,  feadhainn  a'  bhotuil  agus 
feadhainn  na  sgine,  no  lighichean  agus  corr- 
mhairean. Tha  cuid  dhiubh  fhein  ag  radh 
nach  e  mhain  nach  'eil  adhartas  air  bith  a' 


tighinn  air  obair  nan  lighichean,  ach  gu  bheil 
an  seorsa  dotaireachd  sin  a'  dol  air  ais.  Ma 
tha  pian  an  taobh  a  stigh  dhiot,  agus  nach  'eil 
an  lighiche  cinnteach  ciod  a  tha  cearr,  cuiridh 
e  gu  dotair  na  sgine  thu,  agus  a  cheart  cho 
cinnteach  's  a  gheibh  esan  greim  ort,  cuirear 
air  bord  thu  agus  fosglar  thu.  Air  uairean  cha 
ghabh  sin  seachnadh,  ach  uairean  eile  ghabhadh 
e  seachnadh  maith  gu  leor,  ach  feuch  an  innis 
dotair  na  sgine  sin  dhuit  ;  chan  innis  na's  mo 
na  dh'  innseas  am  fear  eile  dhuit  ciod  a  tha 
anns  a'  bhotul.  Cha  chluinn  thu  ach  aon 
naidheachd  daonnan  aig  an  fheadhainn  a  chuir- 
eadh  air  a'  bhord,  gu'n  dubhairt  an  corrmhair 
riu  gur  ann  direach  'n  a  am  a  chaidh  iad  thuige  ; 
na'n  robh  iad  na  b'  fhaide  gun  dol  thuige,  nach 
'eil  f  hios  idir  ciod  a  dh'  eireadh  dhaibh  !  Theag- 
amh  nach  eireadh  dad  cearr  dhaibh,  agus  gu'n 
cuireadh  feartan  Naduir  ceart  na  bha  cearr,  ach 
bhitheadh  dotair  na  sgine  gun  obair. 

Eolas  no  leigheas? 

Tha  eolas  nan  dotairean  a'  fas  a  h-uile 
bUadhna,  co  dhiubh  an  t-eolas  a  tha  aca  air  fuil 
is  feoil  is  feithean,  air  oibreachadh  diomhair  a' 
chuirp,  agus  air  na  galairean  d'a  bheil  daoine 
buailteach,  ach  chan  'eil  mi  idir  cinnteach  gu 
bheil  ealadhain  aca  an  diugh  air  daoine  a 
leigheas  na's  fhearr  na  bha  aig  na  seann  ligh- 
ichean. Tha  barrachd  eolais  aca  air  an  tinneas 
a  dh'  fhaodas  a  bhi  ort,  ach  bha  na  seann 
lighichean  a'  cumail  an  siil  air  aon  ni  a  mhain, 
an  duine  tinn  a  leigheas.  Be  sin  ceud-thois- 
eacha  nan  nithean  a  theagaisg  Hippocrates 
fhein  do  na  h-oileanaich  a  bha  aige  ann  an 
eilean  Chos,  "  Is  e  ceud  dhleasdanas  an  lighiche 
an  duine  tinn  a  leigheas." 

Is  truagh  a'  chomhfhurtachd  e  do  dhuine 
tinn  gu'n  teid  aig  an  dotair  air  ainm  mor  eagall- 
ach  a  thoirt  do  'n  tinneas  a  tha  air,  mur  teid 
aige  air  a  leigheas.  Ach  air  uairean  tha  e 
tachairt  gur  e  sin  na  ni  an  dotair  air  a  shon, 
agus  gu  bheil  e  toilichte  gu  leor  leis  a'  ghalair 
a  dheanamh  a  mach. 

Gillean-dambrod 

Tha  am  fasan  sin  a'  sgaoileadh  an  diugh, 
chan  ann  a  mhain  am  ttieasg  dhotairean  ach 
am  measg  nan  ard-sgoilearan,  nan  speurad- 
airean,  agus  luchd-ealadhain  eile.  Tha  iad 
an  diiil  gu  bheil  iad  a'  tuigsinn  a  h-uile  ni 
anns  a'  chruthachadh  ma  theid  aca  air  ainm 
a  thoirt  dha.  Ach  chan  'eil  ann  an  ainm  ach 
ainm  fhein.  An  uair  a  leughas  mi  leabh- 
raichean  nan  daoine  a  tha  ris  an  sgoilearachd 
iir  so.  Sir  Seumas  Jeans  agus  a  sheorsa,  saoilidh 
mi  an  toiseach  gu  bheil  iad  a'  dol  a  dh' 
f  hosgladh  mo  shiil  agus  gu  bheil  mi  a  dol  a 
dh'  fhaotainn  eolais  air  riiintean-diomhair  a' 
chruthachaidh  nach  robh  agam  roimhe,  ach  air 
a'  cheann  mu  dheireadh  tha  mi  mar  bha  mi  a' 


ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


toiseachadh,  ach  a  mhain  gu'n  d'  fhuair  mi  an 
da  ni  so  a  mach,  (1)  nach  'eil  iad  aon  cheum  beag 
na's  f  haide  air  an  aghaidh  a  thaobh  toiseach  no 
ceann-criche  an  t-saoghail  a  thuigsinn  na  bha 
Daibhidh  agus  lob,  agus  (2)  nach  'eil  anns  na 
facail  mhora  agus  na  h-ainmean  a  tha  iad 
ag  uisneachadh  ach  gillean-dambrod  a  tha  iad  a' 
deanamh  dhaibh  fhein  los  gu'n  teid  aca  air 
dreach  na  ceille  a  chur  air  a'  bhruidhinn  agus 
air  an  deasbud  a  bhios  iad  a'  deanamh  mu 
nithean  nach  'eil  iad  a'  tuigsinn.  Tha  barrachd 
de  'n  chainnt  sin  agam-sa  mi  fhein  na  tha  agam 
a  dh'  Eabhra,  ged  nach  'eil  uiread  agam  dhi  's 
a  tha  aig  an  Urramach  Niall  Mac  Pharlainn, 
B.D.,  agus  na'n  toihchinn  rachadh  agam  air 
labhairt  ann  am  briathran  iira  neonach  a  bheir- 
eadh  air  muinntir  Chille-sgumain  a  chreidsinn 
gu  bheil  vtxi  a'  tuigsinn  nithean  air  a  bheil  mi  a 
cheart  cho  aineolach  ri  famh  na  talmhainn. 

Deamhan  no  Germ? 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  tha  am  fasan  so 
aig  na  dotairean  ;   an  uair  a  bheir  iad  ainm  air 


gaoid  no  air  galair  saoilidh  iad  gu  bheil  iad  'ga 
thuigsinn,  agus  gu  bheil  sin  co-ionannri  leigheas. 
An  uair  a  leughas  dotair  gu'n  dubhairt  an 
Slanuighear  gu'n  deachaidh  deamhan  ann  an 
duine,  abraidh  e  nach  e  sin  a  bha  cearr  air  an 
duine  idir  ;  gu  robh  e  as  a  rian  no  gu'n  robh 
an  tinneas-tuiteamach  air,  agus  nach  e  deamhan 
a  bha  'g  an  aobharachadh  sin  idir,  ach  germ  a 
bha  puinnseanachadh  na  fala.  An  uair  a  dh' 
innseas  e  sin  dhuit  saoilidh  e  gu  bheil  solus  is 
tuigse  aige  nach  robh  aig  Criosd,  no  aig  na 
h-Iudhaich,  ach  chan  'eil  ann  an  ainm  ach  ainm 
fhein.  Ciod  am  mughadh  a  tha  eadar  deamhan 
agus  germ  ?  Chan  'eil  leud  na  roinneige.  Chan 
'eil  deamhain  air  an  t-saoghal  as  miosa  na'n 
fheadhainn  bheaga  ris  an  abair  na  dotairean 
germs.  Ma  tha,  pneumonia  ort,  no  f iabhrus  mor 
an  sgamhain,  nach  coma  dhuit  gu'n  abair  an 
dotair  gu'n  deachaidh  pneumococcus  a  steach 
annad,  no  gu'n  abair  am  ministear  gu'n  deach- 
aidh deamhan  annad.  An  uair  nach  cord  am 
ministear  agus  an  dotair,  cuir  thusa  fios  air  a' 
bhan-altruim  ;  mar  is  luaithe  's  ann  isfhearr. 


Aig  an  Uinneig 


Teadhraichean  fada 

THA  aon  de  na  sean-fhacail  ghlic  ag  radh, 
"  Leintean  farsuing  do  na  leanaban  oga," 
facal  a  tha  a'  ciallachadh  gu'm  feum  clann  a  tha 
fas  riim  f  haotainn.  Bhitheadh  e  a  cheart  cho  f  ior 
a  radh,  "  Teadhraichean  fada  do  na  h-oileanaich 
oga,"  oir  feumaidh  inntinnean  a  tha  fas  cothrom 
fhaotainn  air  iad  fein  a  chleachdadh,  le  bhi 
"  a'  leumnaich  air  na  beanntan  agus  a'  toirt 
shinteagan  air  na  cnuic." 

Sin  direach  a  bha  na  h-oileanaich  oga  a' 
deanamh  o  chionn  ghoirid,  an  uair  a  bha  Prionn- 
sa  Rupprecht,  am  Bavaria,  air  a  ghlaodhach 
leo  gu  soluimte  ann  an  Oil-thigh  Oxford  mar 
righ  dligheach  Bhreatuinn,  agus  sin  cuideachd 
a  bha  iad  a'  deanamh  ann  an  Oil-thigh  eile  an 
uair  a  dh'  aontaich  iad,  an  deidh  dhaibh  deasbud 
fada  agus  teth  a  bhi  aca  air  a'  chilis,  gu  bheil 
"  Buidhnean  Oxford  "  'n  an  cunnart  do'n 
diithaich. 

An  uair  a  leughas  daoine  as  aithne  dhomhsa 
mu  na  nithean  neonach  sin  anns  na  paipearan- 
naidheachd,  fosglaidh  iad  an  siiilean  le  eagal  is 
ionghnadh,  is  feoraichidh  iad  ciod  a'  chrioch  a 
bhitheas  aig  amaideas  na  gineil  oig  ?  Saoilidh 
iad  gu  bheil  an  t-am  againn  Hitler  dhuinn  fein 
a  bhi  againn  a  chumail  smachd  air  na  h-oilean- 
aich. Chan  'eil  teagamh  nach  deanadh  Hitler 
sin,  ach  is  f  hearr  saorsa  na  snaachd,  agus  air  a' 
cheann  mu  dheireadh  cha  dean  e  cron  air  bith 
dhaibh  fein  no  do'n  diithaich  "  teadhraichean 
fada  "  a  bhi  aig  na  h-oileanaich  oga.  Nach  e 
aon  de  thoil-inntinnean  na  h-oige  a  bhi  a'  cur 
eagail  air  peathraichrean-t'athar  ? 


Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  priseile  na 
'n  t-saorsa  a  tha  againn  anns  an  diithaich  so, 
agus  gu  sonruichte  aig  daoine  oga,  saorsa-facail 
agus  saorsa-inntinn,  leis  a  bheil  am  buadhan 
air  an  cleachdadh  agus  iad  fein  a'  fas  ann  am 
fearalas  agus  ann  an  tabhachd.  Chan  'eil 
teagamh  nach  bris  feadhainn  de  na  bhios  a' 
ruith  air  an  teadhair  f  hada  an  casan  air  uairean, 
ach  air  a  shon  sin  bithidh  casan  chaich  na's 
laidire  leis  an  leumartaich  a  tha  iad  a'  deanamh 
agus  na  sinteagan  a  tha  iad  a'  gearradh  air  na 
cnuic. 

A  thaobh  na  criche  a  bhitheas  aig  amaideas 
nan  oileanach  a  tha  cumail  a  mach  gur  e  am 
prionnsa  coimheach  ud  a  bu  choir  a  bhi  air  a 
chrtm,  agus  nan  oileanach  eile  a  dhit  "  Buidh- 
nean Oxford,"  bithidh  a'  chrioch  aige  a  bha 
aige  riamh  ;  fichead  bliadhna  n  a  dheidh  so 
bithidh  iad  uile  'n  am  puist  laidir  anns  an 
rioghachd ;  cuid  dhiubh  ann  an  Tigh  nan 
Cumantan  ;  cuid  dhiubh  ann  an  Tigh  nam 
Morairean,  cuid  dhiubh  'n  am  ministearan,  'n  an 
dotairean,  anns  an  arm,  aig  muir,  aig  marsan- 
tachd,  ach  iad  uile  cho  dileas  d'  an  rioghachd  's 
gur  iad  a  tearmunn  agus  a  neart  ann  an  teann- 
tachdaibh. 

D.  L.  Moody 

Tha  ainm  an  t-soisgeulaiche  so  air  iirachadh 
an  cuimhne  dhaoine  am  bliadhna,  is  cha  bu 
choir  do'n  diithaich  so  Moody  a  dhichuimh- 
neachadh,  oir  bha  toradh  buan  agus  maith  aig 
a  shaothair  anns  na  bliadhnachan  a  ghleidh  e 
coinneamhan-dusffaidh  an  Albainn.     Chan  'eil 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


a  dh'  eolas  agam-sa  air  Moody  ach  na  bhitheas 
mi  a'  leughadh  uime  ann  an  leabhraichean 
mhinistearan  agus  dhiadhairean  d'  am  b'  aithne 
e  agus  a  ghabh  pairt  anns  na  coinneamhan 
mora  comhla  ris  ;  Eanruic  Drummond  ;  W.  B. 
Blaikie  ;  R.  W.  Dale  ;  Seoras  Wilson  ;  agus 
feadhainn  eile  de  "'n  t-seorsa  sin.  Agus  is  e  am 
fianuis  uile  gu'm  bu  duine  iriosal  agus  dtirach- 
dach  agus  diadhaidh  a  bha  ann,  duine  aig  nach 
robh  talantan  mora  gu  nadurra  ach  anns  an  robh 
cumhachd  an  Spioraid  Naoinib.  Thubhairt 
R.  W.  Dale  ris  anns  an  aodann,  "  Bha  mi  car 
amharusach  an  toiseach  mu  na  coinneamhan 
agad,  ach  tha  mi  a  nis  a'  creidsinn  gur  ann  o 
Dhia  a  tha  an  obair  so,  oir  chan  'eil  mi  a'  faicinn 
dad  annad-sa  a  dheanadh  i  le  do  bhuadhan 
fhein."  Ach  cha  do  ghabh  Moody  gu  cearr  an 
rud  a  thubhairt  R.  W.  Dale. 

Bu  laithean  sona  agus  beannaichte  na  laithean 
ud  an  Albainn  ;  daoine  a'  dol  suas  'n  am  miltean 
gu  tigh  Dhe  le  aoibhneas  agus  le  ionndrainn, 
chan  e  mhain  air  la  na  Sabaid  ach  air  laithean 
na  seachduin  ;  fadachd  orra  gus  an  tigeadh  am 
feasgar  agus  an  rachadh  iad  do'n  choinneamh, 
a  sheinn,  agus  a  dh'  urnuigh,  agus  a  dh'  eisd- 
eachd  ;  luchd-oibre  a'  dol  gu'n  obair  anns  a' 
mhaduinn  agus  laoidhean  Shankey  'gan  seinn 
fhein  'n  an  cridheachan  a'  coiseachd  air  an 
t-sraid,  agus  a'  cheart  cheol  'n  an  cridhe  agus  'n 
am  beul  fad  an  la.  "  Doirtidh  mise  de  mo 
Spiorad  air  agus  ni  bhur  mic  agus  bhur  nigh- 
eanan  faidheadaireachd,  agus  chi  bhur  n- 
oganaich  seallannan,  agus  bruadaraidh  bhur 
seann  daoine  bruadaran." 

Chan  'eil  teagamh  air  bith  nach  d'  thug  obair 
Mhoody  na  foirbhich  a  b'  f hearr  abha  aice  riamh 
do'n  Eaglais  Shaoir,  anns  na  bailtean-mora 
gu  sonruichte  ;  daoine  a  bha  'n  am  puist  ann 
an  teampull  Dhe  fad  da  f  hichead  bhadhna  agus 
an  corr.  Ach  chaidh  a'  ghineal  sin  as  an  t- 
sealladh  ;  dh'  fhas  a'  ghineal  a  thainig  'n  an 
deidh  na  b'  fhuaire,  agus  tha  feum  mor  aig 
Albainn  an  diugh  air  diisgadh  iir.  Is  e  leithid 
Mhoody  an  tiodhlac  as  fhearr  is  urrainn  Dia  a 
thoirt  d'a  eaglais. 

Na  bliadhnachan-meadhoin 

Ann  na  te  de  na  sailm  (XCI)  tha  an  Salmadair 
ag  uisneachadh  an  fhacail  so,  "  an  sgrios  a 
mhilleas  mu  mheadhon-la."  Ciod  a  bha  e  a' 
ciallachadh  ?  Tha  aon  diadhair  co  dhiu  ag  radh 
gur  e  na  cunnartan  d'a  bheil  daoine  buailteach 
ann  am  meadhon  am  beatha  a  bha  e  a'  ciall- 
achadh, cunnartan  spioradail  nam  bliadhnachan 
eadar  deich  air  fhichead  agus  leth-cheud. 

Ged  nach  e  so  a  bha  an  Salmadair  a'  ciall- 
achadh leis  an  fhacal  ud  chan  'eil  teagamh  air 
bith  nach  'eil  cunnartan  a'  tachairt  air  daoine 
ann  am  bliadhnachan-meadhoin  am  beatha  a 
tha  na  's  miosa  na  cunnartan  na  h-aoise 
no   eadhon  cunnartan  na  h-6ige.     Tha  cean- 


glaichean  aig  daoine  oga  agus  aig  seann  daoine 
ris  an  t-saoghal  neo-fhaicsinneach  nach  'eil  aig 
daoine  ann  am  meadhon  am  beatha.  "  Chi 
bhur  n-oganaich  seallannan  agus  bruadaraidh 
bhur  seann  daoine  bruadaran."  Tha  barrachd 
dhaoine  a'  toirt  an  cridheachan  do  Chriosd  m'  an 
ruig  iad  fichead  bliadhna  na  tha  'ga  dheanamh 
an  uair  a  theid  iad  thairis  air  fichead. 

Tha  e  na's  duiliche  do  dhaoine  a  tha  ann  am 
meadhon  an  laithean  iad  fein  a  chumail  fo 
bhuaidh  an  t-saoghail  eile  oir  tha  obair  is  ciiram 
an  t-saoghail  a  tha  lathair  a'  tarruing  an  inntinn 
agus  an  aire.  Ann  an  tomhas  mor  tha  an  oigridh 
agus  seann  daoine  saor  o'n  obair  agus  o'n 
churam  sin,  a  tha  tuiteam  air  guaillean  nan 
daoine  a  tha  luath  laidir.  An  duine  a  bha  cho 
fialaidh  aig  fichead  bliadhna  's  gu'n  roinneadh 
e  riut  a  thasdan  deireannach,  an  uair  a  ruigeas 
e  da  fhichead,  their  e  "  nach  urrainn  e  dad  a 
dheanamh  air  do  shon  a  chionn  gu  bheil  bean 
is  clann  aige."  Tha  dusan  lethsgeul  aige  mu 
choinneamh  gach  fir  a  tha  aig  daoine  oga  agus 
aig  seann  daoine.  A  thuilleadh  air  sin  is  ann 
anns  na  bhadhnachan-meadhoin  a  tha  daoine 
am  bitheantas  a'  fas  gaolach  air  itheadh,agus  air 
61,  agus  air  comhf  hurtachdan  na  feola.  Mar  sin 
tha  iad  an  cunnart  dol  thairis  a  dh'  ionnsuidh  an 
t-saoghail,  agus  doighean  an  t-saoghail  a  lean- 
tuinn,  eadhon  ged  nach  dichuimhnicheadh  iad 
Dia  gu  buileach.  Chan  'eil  ach  duine  annamh 
a  chreideas  gu  bheil  e  a'  fas  sean  eadar  da 
fhichead  agus  leth-cheud,  no  chreideas  gu'm 
faod  am  bas  a  bhi  dliith  dha. 

A  mineachadh  nan  Sgriobturan 

A  bheil  e  ceart  a  bhi  a'  mineachadh  nan 
Sgriobturan  ann  an  doigh  shamhlachail,  mar 
nach  robh  iad  a'  ciallachadh  idir  an  ni  a  tha  iad 
ag  radh  gu  litireil  ach  ni-eigin  diomhair  eile  a 
ghabhas  toirt  asda  ?  Bha  am  fasan  sin  aig  cuid 
de  na  seann  diadhairean,  ach  is  e  droch  fhasan 
a  tha  ann,  is  cha  bu  choir  dhuinn  a  leantuinn. 
Bha  sgriobhaichean  nan  ludhach  anabarrach 
gaolach  air  ;  mar  bu  mho  a  bheireadh  iad  de 
nithean  iongantach  agus  folaichte  as  an  Fhacal 
Naomh  le  an  innleachd  fein  is  ann  bu  mho  a  bha 
iad  a'  saoilsinn  gu  robh  iad  a'  cur  urraim  air. 
Ach  fad  na  h-iiine  cha  robh  iad  a'  teagasg  ach 
am  beachdan  fein  agus  a'  feuchainn  ri  an  daing- 
neachadh  leis  na  sgriobturan  a  bha  iad  a'  fiaradh. 
An  uair  a  thoisicheas  luchd-teagaisg  air  an 
t-seorsa  peasanachd  so  chan  'eil  ceann  no  crioch 
aig  a'  bhoglaich  anns  an  tuit  iad. 

Gus  an  rud  a  dheanamh  soilleir  faodaidh  mi 
innseadh  air  an  duilleig  so  mar  a  mhinich  an 
t-athair  mor-mor  Augustine  an  cosmhalachd  a 
labhair  Criosd  mu'n  duine  a  bha  dol  sios  bho 
Jerusalem  gu  lericho.  Tha  Augustine  ag  radh 
gu'm  b'e  an  duine  Adhamh  ;  gu'm  b'e  Jerusalem 
am  baile  neamhaidh  ;  lericho  a  ghealach  agus. 
(JBi  leantuinn) 


Aireamh  4 


937 


A'  Dol  do  Thigh  Dhe 

Le  Iain  Mac  Calmain,  Missionahaidh  Chaol-Reithe,  anns  an  Eilean  Sgitheanach 
"  Coimhid  do  chas  an  uair  a  theid  thu  do  thigh  Dhe." — Ecclesiastes  v.  1. 


SGRIOBH  neach  o  chionn  ghoirid  do'n 
Bhritish  Weekly,  a  dh'iarraidh  orra-san  a  bha 
dol  do'n  eaglais  aobhar  carson  a  bha  iad  a'  dol 
ann,  agus  orra-san  nach  robh  a'  dol  do'n  eaglais 
carson  nach  robh  iadsan  a'  dol  ann.  Is  e  ceist 
mhor  agus  chudthromach  a  tha  an  so,  agus  chan 
urrainear  bhi  dol  a  mach  air  gu  mionaideach  ann 
an  so.  Ach  theirinn  so,  gu'm  bheil  bunait 
mhaith  acasan  a  tha  dol  do  thigh  Dhe  air  son 
dol  ann.  Ciod  air  bith  a'  chrioch  a  tha  aig  gach 
neach  anns  an  amharc  air  a  bhi  dol  do'n  eaglais, 
mar  is  motha  a  chi  mise  air  slighe  an  dleasdanais 
sin  's  ann  is  motha  mo  ghairdeachas,  seadh 
agus  ni  mi  gairdeachas,  a  chionn  gu'm  bheil 
an  siol  agus  am  fonn  air  am  measgadh  comhla, 
ann  an  seagh,  agus  far  an  gabhar  ris  an  f  hirinn 
le  macantas  bheir  e  toradh  uaith  le  foidhidinn. 
Ann  an  nadur  feumaidh  an  siol  agus  am  fonn 
bhi  air  an  toirt  comhla  mus  bi  fogharadh  ann. 

Ann  ad  chridhe 

Theirinn,  mar  an  ceudna,  riutha-san  nach'  eil  a' 
dol  a  dh'eisdeachd  na  firinn,  nach  aithne  dhoibh 
an  call,  agus  ged  a  thoisicheadh  iad  air  bunait  a 
leagail  air  son  an  dearmad  air  an  dleasdanas  so  a 
thaitneas  riutha  fein  "  sguabaidh  a'  chlach- 
mheallain  air  falbh  an  didein-bhreige  agus 
comhdaichidh  na  h-uisgeachan  an  t-aite-folaich" 
(IsA.  xxviii.  17).  Ach  tha  buidheann  eile  ann 
ris  an  coir  facal  a  radh  chum  an  comhf hurtachd, 
's  e  sin  a'  mhuinntir  air  am  bheil  na  cothroman 
air  an  aicheadh  ;  ma  tha  an  cridhe  anns  an 
aobhar  m.h6r,  chan  f haic  Dia  eis  air  an  anamaibh 
ged  tha  JL  bunntainn  riutha  'n  a  Fhreasdal  mar 
so.  Their  Dia  riutha  sin  mar  thubhairt  E  ri 
Daibhidh,  "  Is  maith  a  rinn  thu  gu'n  robh  e  ann 
ad  chridhe  "  (1  Rich.  viii.  18).  Gabhaidh  an 
Tighearna  ris  an  toil  an  uair  nach  'eil  e  an  comas 
an  gniomh  a  dheanamh.  "  Is  beannaichte 
iadsan  aig  am  bheil  do  shlighean  'n  an  cridhe." 
Cuimhnicheamaid  air  an  laimh  eile  nach  'eil  na 
h-uile  a  tha  air  an  smachdachadh  a'  foghlum, 
mar  nach  'eil  na  h-uile  a  tha  dol  a  dh'eisdeachd 
a'  toirt  buannachd  spioradail  as.  Air  an  aobhar 
sin  buinidh  e  dhuinn  sinn  fein  a  cheasnachadh  a 
thaobh  na  freasdalan  a  tha  againn,  agus  gras  a 
shireadh  chum  obair  Dhe  a  dheanamh,  agus  is  e 
so  obair  Dhe  gu'n  creid  sinn  anns  an  Ti  a  chuir 
E  uaith. 


Urram  agus  eagal  diadhaidh 

Dh'iarrainn  aire  an  leughadair  a  tharruing  a 
dh'ionnsuidh  cuid  de  na  suidheachaidhean  anns 
am  biodh  e  buannachdail  dha  a  bhi  an  uair  a 
theid  e  gu  tigh  Dhe.  Anns  a'  cheud  aite,  an 
uair  a  theid  sinn  gu  tigh  Dhe,  is  coir  dhuinn 
tighinn  le  urram  agus  eagal  diadhaidh,  a' 
cuimhneachadh  an  lathaireachd  anns  am  bheil 
sinn.  Chan  e  gu'm  bheil  e  comasach  dhuinn  a 
bhi  ann  an  aite  far  nach  'eil  Esan  ;  "  cia  'n  t-ait 
air  bith  am  feud  mi  dol  o  d'  spiorad  glic,  a  Dhe?" 
Gidheadh,  tha  gealladh  a  lathaireachd  gu 
sonruichte  far  am  bheil  daoine  'g  a  iarraidh, 
"  oir  ge  b'e  ait  am  bheil  dithis  no  triuir  air  an 
cruinneachadh  an  ceann  a  cheile  am  ainm-sa 
tha  mise  an  sin  'n  am  meadhon  "  (Mata  xviii. 
20),  agus  na  'm  biodh  cluas  spioradail  againn 
chluinneamaid  tre  chreidimh  a  ghuth  ag  radh, 
"  Cuir  dhiot  do  bhrogan  bharr  do  chos,  oir  an 
t-aite  air  am  bheil  thu  ad  sheasamh  is  talamh 
naomh  e  "  (Exod.  iii.  5).  Mar  sin  is  eigin 
tighinn  le  urram  agus  eagal  diadhaidh. 

Irioslachd  agus  danachd 

Is  coir  dhuinn  mar  an  ceudna  tighinn  air  ar 
sgeadachadh  le  irioslachd,  a  thaobh  na  gne 
chreutairean  a  tha  sinn  ann — peacach,  neo- 
airidh,  agus  neo-chtimta  air  iomadh  doigh.  Is 
e  mar  sin  an  t-aite  iosal  a  bhuineas  dhuinn  a 
ghabhail,  an  uair  a  tha  sinn  air  ar  gairm  gu 
aoradh  Dhe.  Agus  an  uair  a  theid  thu  do  thigh 
Dhe,  nach  coir  dhuit  a  chuimhneachadh  gu'm 
bheil  thu  dol  an  sin  air  gnothach,  agus,  a  charaid, 
is  e  sin  an  gnothach  mor,  gnothach  nach  urrainn 
duine  eile  a  dheanamh  air  do  shon  ach  thu  fein 
a  mhain,  gnothach  diomhair  eadar  an  t-anam 
agus  Dia  tre  losa  Criosd  ar  Slanaighear  agus  ar 
n-Eadar-mheadhonair,  ach  ged  is  e  gnothach 
diomhair  a  tha  ann  bithidh  a  thoradh  r'af  haicinn 
ann  an  tomhas  beag  no  mor  'n  ad  bheatha. 

Tha  sinn  a  rithis  air  ar  gairm  gu  tighinn  le 
danachd  agus  muinighinn.  Tha  an  danachd  so 
ag  eirigh  bho  theisteas  agus  cliii  Dhe,  a  mhaith- 
eas,  a  throcair,  a  dheagh-ghean  priseil,  a  dhil- 
seachd,  agus  nach  beag  sin  d'a  chliii.  Co  as 
urrainn  a  chliii  uile  f  hoillseachadh  ?  Tha  E  ma 
ta  a'  sineadh  na  slait-oir  rioghail  d'ar  n-ionn- 
suidh  agus  ag  radh,  "  Ciod  as  aill  leat  ?  ciod  e 
t'athchuinge  agus  ciod  e  t'iarrtus  ?  "     The  E 


a 


A'  BOL  DO  THIGH  DHE— ANNS  A^  CHATHAIR 


feitheamh  gu  bhi  grasmhor  agus  ullamh  gu  bhi 
com-pairteachadh  nam  beannachd  sin  ruinn 
air  son  an  d'fhag  E  Gloir  agus  air  son  an 
d'fhuiling  e  air  Calbhari. 

Aoradh  no  eisdeachd  ? 

An  uair  a  theid  sinn  do  thigh  Dhe,  nach  ann 
a  dh'aoradh  a  tha  sinn  a'  dol  ann  ?  Is  ann.  Ach 
tha  moran  a'  call  seallaidh  dheth  sin,  agus  an 
aite  com-pairt  a  bhi  aca  's  an  t-seirbhis  tha  iad 
a  mhain  'n  an  luchd-eisdeachd.  Tha  barrachd 
na  eisdeachd  air  iarraidh  oirnn  ;  tha  diiil  ri 
deanadas.  "  Bithidh  an  duine  a  ni  beannaichte 
'n  a  dheanadas."  Is  iomadh  aon  a  tha  air 
f  haotainn  ag  eisdeachd  searmoin  spioradail  agus 
dhtirachdaich,  agus  a  mholas  e  an  uair  a  thig  e 
mach,  ach  fhathast  air  nach  'eil  an  searmon  sin 
a'  deanamh  atharrachaidh  sam  bith,  agus  sin  a 
mhain  a  chionn  e  bhi  'g  eisdeachd  gu  dear- 
madach.  "  Bheachdaich  e  air  fein  agus  dh'imich 
e  roimhe,  agus  dhi-chuimhnich  e  air  ball  ciod  an 
coslas  duine  a  bha  ann  fein  "  (Seumas  i.  24),  ged 
a  bha  an  searmon  a'  toirt  a  choslais  fein  ri 
aghaidh  fad  na  h-iiine. 

Am  air  gach  ni 

Feudaidh  sinn  a  bhi  'n  ar  comh-oibrichean 
ann  an  tigh  Dhe.  •  Is  iomadh  doigh  air  am  feud 
sinn  cuideachadh  leis  a'  mhinisteir,  ach  tha  aon 
doigh  ann  gu  sonruichte  air  am  feud  an  luchd- 
eisdeachd  cuideachadh  leis,  agus  is  e  sin  le  an 
siiil  a  bhi  air,  an  cluas  ris  an  f  hocal,  an  cridhe  air 
Dia.     'N    am    faighte    comhthional    mar    sin, 


saoilidh  mi  nach  biodh  e  doirbh  do  fhear- 
teagaisg  labhairt  riutha.  Tha  droch  f  hasan  aig 
cuid  a  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill,  neo  a'  tionn- 
dadh  nan  duilleag  am  feadh  tha  an  searmon  dol 
air  aghaidh.  Tha  am  freagarrach  air  gach  ni 
fo  neamh,  agus  air  an  aobhar  sin,  do  bhrigh  gur 
e  am  na  h-eisdeachd  a  tha  ann,  bhiodh  e  na  bu 
bhuannachdail  do  neach  a  BhiobuU  a  dhiinadh 
aig  an  am  sin  agus  aire  gu  leir  thoirt  do  'n  ni  a 
dh'ionnsuidh  am  bheil  e  air  a  ghairm  aig  an  am. 
Is  ann  mar  sin  a  bhiodh  buannachd  aige  de'n 
f  hocal,  an  uair  a  dh'eisdeadh  e  agus  a  bheireadh 
e  fainear  e.  Chan  e  a  mhain  gu'm  bheil  againn 
ri  thoirt  fainear  ciod  a  chluinneas  sinn  ach  mar 
an  ceudna  cionnus  a  dh'eisdeas  sinn.  "  Thug- 
aibh fainear,"  arsa  Criosd,  "  cionnus  adh'eisdeas 
sibh,"  agus  cha  bhuin  e  dhuinne  a  chomhairle  a 
chuir  an  suarachas.  An  uair  a  tha  iirnuigh  air 
a  cur  suas  agus  aideachadh  innte  air  peacadh, 
agus  buidheachas  air  a  thoirt  air  son  maitheas 
agus  tiodhlacan  Dhe,  bitheadh  buaidh  aig  sin 
oirnn.  An  uair  tha  am  Focal  'g  a  leughadh, 
cuimhnich  gur  e  so  Focal  Dhe  agus  is  coir 
iimhlachd  a  thoirt  dha,  agus  ma  tha  bagraidhean 
ann  is  coir  cx'iothnachadh,  agus  ma  's  e  cuireadh 
agus  gealladh  a  tha  ann  an  diiilt  mi  e  }  Ma 
dhiiiltas,  nach  ann  air  m'anam  a  bhitheas  an 
call? 

Sin,  ma  ta,  cuid  de  na  suidheachaidhean  anns 
an  coir  dhuinn  tighinn  gu  tigh  Dhe  agus  cuid  de 
na  doighean  anns  an  urrainn  dhuinn  com-pairt 
a  bhi  againn  anns  an  t-seirbhis  mhoir  so,  ma  tha 
sinn  a'  miannachadh  beannachd. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  na  laithean  so  tha  moran  bruidhne  'g 
^a  deanamh  mu  chor  na  Gaidhealtachd,  ach 
chan  'eil  dad  a'  tighinn  aisde.  An  drasd  's  a  ris 
chi  sinn  anns  na  paij^earan-naidheachd  gu  bheil 
Comunn  ur  air  a  chur  air  bonn  gus  cuisean  a  chur 
ceart  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  an  sluagh  a 
chumail  innte,  ach  ged  tha  aireamh  nan  Comunn 
sin  a'  fas,  agus  aireamh  nan  daoine  a  tha  an  duil 
gu  bheil  Innleachd  no  Plan  aca  a  bheireadh 
soirbheachadh  do'n  Ghaidhealtachd,  chan  'eil 
dad  a'  tighinn  as  a  sin  ach  bruidhinn,  agus 
bruidhinn  a  tha  air  uairean  a'  dorchachadh 
comhairle  le  a  teas  fhein. 

Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ciod  a  tha  cearr  air 
a'  Ghaidhealtachd  an  diugh,  no  ciod  a  ghabhadh 
deanamh  nach  'eil  air  a  dheanamh  cheana.  An 
uair  a  cheasnaicheas  tu  an  fheadhainn  a  tha 
caoidh  cor  an  duthcha  chan  urrainn  iad  a  radh 
gu  bheil  dad  cearr  oirre  ach  gu  bheil  an  sluagh 
a'  tanachadh  agus  a'  Ghaidhlig  a'  basachadh. 
Tha  sin  fior,  ach  co  aige  a  tha  a'  choire,  no 
ciamar  a  ghabhas  e  leasachadh  ?  Sin  ceistean 
a  shaoileas  daoine  a  tha  furasda  gu  leor  f  huas- 


gladh  gus  an  iarr  thu  orra  innseadh  dhuit  gu 
soilleir  ciod  an  innleachd  a  tha  aca  air  daoine  a 
chumail  air  an  f  hearann,  agus  air  a'  Ghaidhlig  a 
chumail  an  cleachdadh,  ach  a  cheart  cho  luath  's 
a  cheasnaicheas  tu  iad  chi  tu  nach  'eil  innleachd 
air  bith  aca  ach  mar  tha  agad  fhein.  Air  neo 
ma  tha  innleachd  aca  's  e  innleachd  nach  gabh- 
adh  cur  an  ceill  gun  chuid-eigin  a  bhi  a'  cumail 
smachd  air  an  t-sluagh  mar  tha  Hitler  agus 
MussoHni  a'  deanamh,  no  nach  gabhadh  cur  an 
ceill  gun  airgiod  mor  o'n  Ghovernment  a  thaom- 
adh  do'n  Ghaidhealtachd.  Tha  e  duilich  an 
diugh  saorsa  an  toile  a  thoirt  o  dhaoine  (bu  dona 
na'n  deanteadh  sin)  agus  is  ann  le  saoi-sa  an 
toile  fein  agus  le  comhairle  shuidhichte  a  tha  a' 
Ghaidhealtachd  'ga  tanachadh. 

Clann  'n  an  dragh 

Chan  'eil  barrachd  dhaoine  a'  fagail  na 
Gaidhealtachd  na  b'  abhaist  ;  chan  e  sin  an 
t-aobhar  gu  bheil  aireamh  an  t-sluaigh  a'  dol 
sios  ;  is  e  an  f  hior  aobhar  nach  'eil  daoine 
toileach  clann  a  bhi  aca.     Tha  clann  'n  an  draerh 


ANNS  A'  CHATHAIR 


agus  'n  an  cuing  agus  sin  da  rud  nach  toigh  leis 
a'  ghineal  so. 

An  drasd  's  ris  chithear  aims  na  paipearan- 
naidheachd  gu  bheil  muinntir  an  eilein  ud  no  an 
eilein  ud  eile  an  cruaidh-chas  agus  an  aire 
mhuladach,  ach  chan  'eil  facal  firinn  anns  na 
naidheachdan  sin  ;  chan  'eil  annta  ach  rabhart 
luchd-pinn  a  bhitheas  a'  glaodhach  aird  an  cinn 
air  eagal  nach  eisdear  riu  air  dhoigh  eile.  Tha 
muinntir  na  Gaidhealtachd  agus  nan  Eileanan 
air  deagh  dhealbh  anns  na  laithean  so  ;  cha 
robh  iad  riamh  cho  maith  dheth  's  a  tha  iad  ; 
chan  'eil  gin  dhiubh  a'  fulang  acrais  no  eiginn. 

Chan  'eil  a'  Ghaidhealtachd  a'  dol  sios  ach  mar 
tha  aitean-diithcha  eile  a'  dol  sios.  Ann  an 
siorramachd  Pheairt  ;  air  machair  Rois  ;  anns 
na  sgireachdan-diithcha  an  Dun-fris,  tha  an 
sluagh  a'  tanachadh  agus  na  sgoilean  a'  fas 
falamh  na's  luaithe  na  anns  na  h-Eileanan  Siar. 
Tha  na's  lugha  de  stoc  dhaoine  air  sgireachdan 
reamhar  ann  an  Lobhdaidh  na  tha  air  sgir- ' 
eachdan  bochd  ann  an  Leodhas.  Tha  craos 
nam  bailtean-mora  a'  tarruing  a  steach  agus  a' 
slugadh  nan  aitean-diithcha  mar  bha  a'  mhuc 
aig  bean  Eachainn  Thiristich  ag  itheadh  a 
codach  fhein  agus  roinn  chreutairean  eile 
cuideachd. 

Aobharan  an  tanachaidh 

A  reir  mar  tha  mise  a'  faicinn  anns  na  sgir- 
eachdan-diithcha as  aithne  dhomh  tha  na  coig 
nithean  so  a'  comh-oibreachadh  le  cheile  gus  an 
diithaich  a  thanachadh  ; 

(1)  Cion  oibre. 

(2)  Cion  thighean. 

(3)  Oighreachdan  mora  an  lamhan  uachdaran 
bhochda. 

(4)  Laghanna  na  duthcha  air  an  deanamh  gus 
a  bhi  freagairt  air  luchd-oibre  nam  bailtean- 
mora  na's  fhearr  na  tha  iad  a'  freagairt  air 
tuathanaich  agus  croitearan, 

(5)  An  gaol  a  tha  aig  an  oigridh  air  stararaich 
nam  bailtean-mora,  agus  a'  ghrain  a  tha  aca  air 
obair  fearainn. 

Tha  e  duihch  a  radh  ciamar  a  ghabhas  obair 
a  thoirt  do  dhaoine  mur  bheil  feum  air  an  obair 
sin  gu  nadurra  ;  ma  thoisichear  air  obair  a 
dheanamh  gun  aobhar  ach  cosnadh  a  thoirt  do 
dhaoine,  is  miosa  a  dheireadh  sin  na  thoiseach. 
Na'n  toisicheadh  an  Government  air  obair  a 
dheanamh  los  cosnadh  a  thoirt  do  dhaoine 
theagamh  gur  e  a'  chrioch  a  bhiodh  aige  gu  'n 
eireadh  baile  suas  far  an  robh  an  obair,  baile  a 
chreachadh  an  diithaich  mar  tha  Glaschu  no 
Lunnainn  'g  a  creachadh  an  diugh.  Is  theag- 
amh ann  am  fichead  bliadhna  gu'm  biodh  an 
dara  leth  de  mhuinntir  a'  bhaile  sin  air  an  Deirc. 


Rathaidean  lira 

Tha  an  Government  a'  cur  romhpa  suim  mhor 
airgid  a  chosd  a  dheanamh  rathaidean  maithe 
anns  a'  Ghaidhealtachd.  Tha  sin  feumail, 
eadhon  ged  bheir  e  barrachd  cosnaidh  do  dh' 
Eirionnaich  na  bheir  e  do  na  Gaidheil  (cha 
toigh  le  Gaidheil  obair  ghoirt  no  obair  shalach), 
ach  chan  ath-nuadhaich  rathaidean  maithe  a' 
Ghaidhealtachd  ;  cha  dean  iad  ach  an  sluagh  a 
thanachadh  na's  miosa  na  tha  e,  ged  a  dh' 
fhaodas  osd-thighean  iira  cinneachadh  an  sud 
agus  an  so,  agus  a  bhi  soirbheachail.  Ach  is 
dona  a'  chrioch  e  do'n  Ghaidhealtachd  a  bhi  'g 
osdaireachd  anns  an  t-samhradh  agus  a  bhi  dol 
air  an  Deirc  anns  a'  gheamhradh.  Mar  is  fhearr 
agus  is  farsuinge  na  rathaidean  is  ann  is  duiliche 
e  do  mharsantan  agus  do  luchd-ceaird  am  beo- 
shlaint  a  dheanamh  air  an  diithaich  ;  cuiridh 
btithan-mora  nam  bailtean-mora  buthan-beaga 
na  diithcha  ann  an  ciiil  chumhainn.  A  cheart 
cho  luath  's  a  nithear  farsuing  na  rathaidean  gu 
taobh  Shiar  Rois  agus  gu  taobh  Tuath  Chataibh 
bithidh  iad  trang  fad  an  t-samhraidh  agus  an 
fhoghair  le  caraichean  agus  busaichean  agus 
luchd-siubhail  eile  air  cuibhlichean,  ach  is  e  gle 
bheag  de  bhuannachd  a  bheir  sin  do  mhuinntir 
Rois  no  do  mhuinntir  Chataibh  ;  bithidh  a' 
bhuannachd  uile  do  bheagan  osdairean,  agus 
do  mharsantan  Ghlaschu  no  lonar-nis.  Ri  mo 
cheud  chuimhne  b'  abhaist  dhuinn  ar  tea  agus 
ar  siucar  a  cheannach  o'n  mharsanta  againn 
fhein  ann  an  Cille-sgumain  ;  ar  min-choirce  o'n 
mhuilleir  ;  ar  brogan  o'n  ghreusaiche,  agus  ar 
n-aodach  o'n  taillear  againn  fhein,  ach  a  nis  o  na 
rinneadh  na  rathaidean  farsuing  tha  biithan-air- 
chuibhUchean  a'  tighinn  thugainn  a  Diin-deagh 
agus  a  Glaschu,  agus  chan  fhada  gus  nach  bi 
marsanta,  no  muillear,  no  greusaiche,  no  taillear 
anns  an  sgireachd.  Tha  na  rathaidean  farsuing 
air  am  faod  marsantan-mora  biithan-air-chuibh- 
ichean  a  chur  gun  mhal  a'  cur  as  daibh.  Tha  na 
cisteachan  anns  a  bheil  sinn  a'  cur  nam  marbh  a' 
tighinn  thugainn  a  Glaschu  ;  is  b'  fheudar  do'n 
t-saor  dol  'n  a  ghille-frithealaidh  do  na  Sasunn- 
aich  a  bhios  ag  iasgach  bhreac. 

Gainne  thighean 

Is  e  cion  thighean  an  cion  as  mio>a  a  tha  air 
aitean-diithcha  anns  na  laithean  so.  Ged  tha 
aireamh  an  t-sluaigh  a'  dol  sios  chan  'eil  aon  tigh 
anns  an  sgireachd  so  falamh  ;  an  uair  a  bhitheas 
tigh  falamh  bithidh  dusan  'ga  iarraidh  a  dh'  aon 
leum.  Ach  c6  a  chuireas  suas  na  tighean  }  Sin 
an  gnothuch.  Cha  chuir  na  h-uachdarain  suas 
iad,  an  dara  cuid  a  chionn  nach  'eil  airgiod  aca, 
no  a  chionn  nach  fhaigh  iadde  mhal  orrana  bheir 
dhaibh  riadh  cothromach  air  son  na  chosd  iad 
dhaibh.  Cuiridh  iad  suas  tighean  air  son  luchd- 
oibre  na  h-oighreachd,  ach  is  e  sin  uile  e.  Cha 
mho  a  tha  daoine  an  diugh  toileach  tighean  a  chur 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE 


suas  as  tir  dhaibh  fein,  eadhon  ged  bhitheadh  de 
airgiod  aca  na  leigeadh  leo  sin  a  dheanamh  ;  is 
f  hearr  leo  an  diithaich  f  hagail  seach  tigh  a  chur 
suas,  agus  dol  do'n  bhaile-mhor  far  a  bheil  e  na 
's  fhasa  tigh  fhaotainn  air  mhal.  Is  ann  air 
Comhairle  na  Siorramachd  a  chuir  a'  Pharla- 
maid  an  dleasdanas  so,  tighean  ura  a  chur  suas 
air  son  an  luchd-oibre,  no  an  aite  sheann  tighean 
a  bha  tuiteam.  Ach  chan  'eil  Comhairlean  nan 
Siorramachdan  a'  cur  suas  ach  na  dh'  fheumas 
iad  a  dheanamh  ;  cha  ghluais  iad  gus  an  cuir 
Bord  na  Slainte  eagal  orra.  Is  e  a  tha  tachairt, 
ma  ta,  nach  'eil  sgireachd-diithcha  idir  amis  a 
bheil  barrachd  thighean  na  tha  dhith  air  na  tha 
innte  de  luchd-oibre,  air  chor  agus  ma  leigeas 
fear-oibre,  no  ciobair,  no  geamair,  no  duine  eile, 
dheth  a  dhreuchd,  no  ma  theid  tuathanach  a 
mach  a  f  hearann,  no  maighstir-sgoile  no  bancair 
a  mach  as  an  dreuchd,  gu'm  feum  iad  uile  an 
sgireachd  f  hagail  a  chionn  nach  urrainn  dhaibh 
tigh  fhaotainn  innte,  ged  bhitheadh  an  cridhe 
an  ceangal  ris  an  aite  anns  an  do  chuir  iad 
seachad  am  beatha.  Tha  mise  a'  faicinn  sin  ann 
am  Blar  a  h-uile  bliadhna  ;  daoine  gasda  a' 
fagail  an  aite  a  chionn  nach  fhaigh  iad  tigh  ann, 
air  an  iomain  leis  an  eiginn  do'n  bhaile-mhor  no 
do  Bhaile-chloichridh. 

Droch  laghanna 

Fhreagradh  e  gu  gasda  air  tuathanaich  agus 
air  croitearan  prisean  cruidh  is  chaorach  a  bhi 
ard,  agus  siol  agus  buntata  a  bhi  daor,  agus 
bhitheadh  e  furasda  gu  leor  do'n  Ghovernment 
prisean  a  chumail  suas  le  siol  agus  feoil  nan 
rioghachdan  eile  a  chumail  a  mach  as  an  diith- 
aich, ach  cha  fhreagradh  sin  air  luchd-oibre 
nam  bailtean-mora.  Chdn  'eil  a  dhith  orra-san 
ach  biadh  saor,  agus  tha  iad  cho  lionmhor  agus 
cho  laidir  's  nach  'eil  e  furasda  do'n  Ghovern- 
ment dol  'n  an  aghaidh.  Thubhairt  Coinneach 
Odhar  gu'n  cuireadh  peirceall  na  caorach  an 
crann  air  an  fharadh,  ach  ged  rinn  na  caoraich 
sin  ann  an  tomhas,  is  e  siol  Innseanach  na  h- 


Arffentine  affus  cruithneachd  America  a  tha  a' 
cur  a'  chroinn  air  na  sparran  an  diugh.  A 
h-uile  uair  a  tha  a'  cheist  so  air  a  cur  ris  an 
diithaich,  co  dhiubh  is  fhearr  am  biadh  a  bhi 
saor  no  fearann  na  duthcha  so  a  bhi  air  a 
chumail  fo'n  chrann,  tha  luchd-oibre  nam  bail- 
tean-mora ag  iarraidh  a'  bhidh  a  bhi  saor.  Sin 
aon  de  na  h-aobhair  gu  bheil  a'  Ghaidhealtachd 
'g  a  leigeil  a  mach  fo  f heur,  ach  ciod  air  bith  a 
their  daoine  eile,  is  e  an  t-adhartas  a  bu  mhaith 
leamsa  fhaicinn  anns  a'  Ghaidhealtachd,  am 
fearann  a  bhi  air  aiteach  agus  uiread  thuathan- 
ach  agus  chroitearan  air  's  is  urrainn  e  a 
ghiiilan,  agus  seorsa  thuathanach  agus  chroit- 
earan nach  bitheadh  a'  leigeil  an  taic  ris  a' 
Ghovernment. 

Cor  nan  iasgairean 

Ach  tha  aon  ni  a  dh'  fhaodadh  an  Govern- 
ment a  dheananah  gun  mhoran  dragha  no 
cosduis,  agus  a  bhiodh  chum  maith  na  Gaidh- 
ealtachd,  na  cladaichean  shiar  a  dhunadh  air  na 
tralairean  a  bhios  ag  iasgach  timchioll  orra  agus 
a  tha  an  deidh  milleadh  mor  a  dheanamh  air  na 
lochan  a  b'  abhaist  a  bhi  Ian  de  gach  seorsa  eisg, 
lochan  anns  nach  'eil  lann  ri  fhaotainn  an  diugh. 
Ann  am  bliadhnachan  a'  Chogaidh  bha  iasg 
pailt  mu'n  cuairt  a'  chladaich  anns  na  h-eilean- 
an  agus  b'  e  an  t-aobhar  gu  robh  na  tralairean 
air  an  toirt  air  falbh  gu  obair  eile  anns  na 
bliadhnachan  sin,  agus  gu  robh  siol  an  eisg  a' 
faotainn  cothroim  air  tighinn  beo  seach  a  bhi 
air  a  ghluasad  leis  na  tralaichean  agus  air  a 
thilgeadh  air  tir  'n  a  stacanna. 

Na  'n  dimadh  an  Government  an  geata-mara 
eadar  am  Parbh  agus  Buta  Leodhais,  agus  an 
geata-mara  eile  eadar  Ceann  Bharraidh  agus 
Eirinn,  agus  'n  an  cumadh  iad  na  tralairean 
taobh  a  mach  nan  geatachan  sin,  dheanadh  sin 
feum  mor  do  na  h-iasgairean.  Mur  bi  iasgairean 
agus  croitearan  anns  na  h-Eileanna  agus  taobh 
a'  chladaich  air  tir-mor,  ciod  a  b'  fheairrd  a' 
Ghaidhealtachd  rathaidean  agus  petrol  agus 
tighean-osda  agus  luchd-siubhail  ? 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


A  ISLING  cailUck  mar  a  durachd.  Gle  thric 
Jri.\s,  e  sin  an  t-aobhar  a  bheir  sgiathan  do 
naidheachd.  B'e  sin  an  t-aobhar  gu'n  deachaidh 
Naidheachd  nan  saighdearan  Russianach  o  cheann 
gu  ceann  de'n  rioghachd  ann  an  ceithir  uaire 
fichead.  Bha  arm  Bhreatuinn  agus  arm  na 
Frainge  ann  an  cunnart  ;  bha  na  Gearmailtich 
a'  briichdadh  a  steach  air  am  muin  mar  thuil 
nach  gabhadh  cumail  air  ais  ;  bha  cridheachan 
dhaoine  anns  an  duthaich  so  air  chrith  le  imcheist 
is  eagal,  gun  fhios  aca  ciod  a  dh'  fhaodadh 
iad  fhaicinn  anns  na  paipearan-naidheachd  am 
maireach.     An  uair  a  bha  an  rioghachd  uile 


anns  an  t-suidheachadh-inntinn  sin  chualas  am 
facal  Russianaich  (gun  fhios  c6  thubhairt  e  no 
cia  as  a  thainig  e)  agus  ann  an  aon  oidhche 
sgaoil  an  naidheachd  air  feadh  na  rioghachd 
uile  gu  robh  miltean  gun  aireamh  de  shaigh- 
dearan  Russianach  air  tighinn  air  tir  an  Obar- 
eadhain  agus  am  bailtean-puirt  eile,  air  an 
rathad  gu  Southhampton  far  am  faigheadh  iad 
aiseag  do'n  Fhraing.  Aisling  cailUch  mar  a 
durachd.  Creididh  daoine  an  ni  as  toigh  leo  a 
chreidsinn  ged  nach  bitheadh  ann  ach  a'  bhreug, 
ach  cha  chreid  iad  an  f  hirinn  mur  bheil  an  f  hirinn 
a  reir  am  miann.     Chan  'eil  ann  an  reuson  mhic 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


an   duine   ach  cuilc  lag  an  coimeas  ri  cabar 
laidir  a  thoile. 

Cha  do  chreid  mise  naidheachd  nan  saigh- 
dearan  Russianach  aon  leth-mionaid  riamh,  ged 
-chuir  m'  as-creideamh  fearg  agus  miothlachd 
air  cuid  de  mo  luchd-eolais,  daoine  a  chunnaic 
iad  le'n  siiilean  fhein,  agus  a  chual  o  dhaoine 
creideasach  eile  gu  robh  an  naidheachd  cho  fior 
ris  a'  bhas.  Ach  ged  nach  abair  mi  an  corr  mu 
na  Russianaich,  bu  mhaith  leam  sgeul  neonach 
no  dha  eile  innseadh  a  tha  a'  cur  soluis  air  an 
doigh  anns  amfalhh  naidheachd. 

Am  ministear  agus  an  telegram 

Ged  nach  ann  an  Cille-sgumain  a  thachair  e 
faodaidh  mi  ainm  Chille-sgumain  agus  ainm  an 
Urramaich  Niall  Mac  Pharlain,  a  ghabhail  an 
iasad,  no  an  diomhanas  ma  thogras  sibh,  agus  an 
sgeul  so  innseadh  uime-san. 

Ann  am  Miosachan  sonruichte  bha  Urnuigh 
air  a  cur  air  aon  de  na  duilleagan  a  h-uile  mids, 
air  a  sgriobhadh  leis  an  Urramach  Niall  Mac 
Pharlain,  B.D.  Dh'  fheumadh  a  h-uile  facal  a 
bha  ri  bhi  anns  a'  Mhiosachan  a  bhi  an  laimh  a' 
chlo-bhuailteir  air  la  sonruichte  de'n  mhios,  ach 
cleas  a  dhaoine,  cha  do  rinn  an  t-Urramach 
Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  riamh  obair  an  diugh 
a  dh'  fhaodadh  e  fhagail  gus  am  maireach,  agus 
gle  thric  bhitheadh  am  fear-deasachaidh  agus 
an  clo-bhuailtear  a'  feitheamh  dha  no  tri  laith- 
ean  ris  an  Urnuigh. 

Uair  a  bha  i  na  b'  fhaide  gun  a  ruighinn  na 
b'  abhaist  chuir  am  fear-deasachaidh  telegram 
thuige,  "  Feum  air  Urnuigh  gun  dail."  Gu 
ceart  is  e  bu  choir  dha  a  radh,  "  Feum  air  an 
Urnuigh  gun  dail,"  ach  gus  sgillinn  a  shabhaladh, 
dh'  fhag  e  a  mach  am  facal  an,  agus  'nuair  a 
ghabh  caileag  a'  Phost  Office  am  fios-dealain  ud 
o'n  Oban  sgriobh  i  u  bheag  an  aite  U  mhor, 
"  Feum  air  iirnuigh  gun  dail." 

An  t-seachduin  roimh  sud  chaidh  bean  a' 
mhinistir  do  Dhim-eideann,  agus  gun  dad  aice 
fo'n  fhacal,  thubhairt  caileag  a'  Phost  Office  ris 
a'  bhalach  a  bhiodh  a'  liubhairt  nan  telegrams, 
balach  a  bha  car  leasg  agus  mairnealach,  "  Ruith 
do'n  Mhanse  cho  luath  's  a  bheir  na  cuibhlichean 
ann  thu  agus  gun  fhios  nach  'eil  bean  a'  mhin- 
istir tinn." 

Thachair  am  ministear  air  a'  bhalach  aig  an 
dorus  ;  dh'  fhosgail  e  an  telegram,  agus  'nuair 
a  chunnaic  e  ciod  a  bha  innte,  thuit  'aodann,  oir 
dhichuimhnich  e  gu  robh  aige  ris  an  Urnuigh  a 
sgriobhadh  air  an  t-seachduin  ud,  is  bha  e  a  nis 
ro  anmoch  sin  a  dheanamh,  oir  ann  an  ceath- 
ramh  na  h-uarach  bha  e  a'  falbh  air  a'  charbad- 
iaruinn  do  Dhun-eideann. 

Dh'  fhalbh  e  air  chabhaig  ;  bha  cho  beag  a 
dh'uine  aige  a  dhol  a  dh'ionnsuidh  na  steisun 
's  gu'm  b'  fheudar  dha  ruith. 

An  uair  a  chaidh  am  balach  air  ais  dh'  f  harraid 
caileag  a'  Phost  Office  dheth  an  cual  e  ciod  a 


bha  cearr  ?  Cha  chuala.  Am  faca  tu  am 
ministear  ?  Chunnaic.  An  d'  thubhairt  e  dad 
riut  ?  Cha  d'  thubhairt.  Am  faca  thu  e  a' 
fosgladh  na  telegram  ?  Chunnaic.  Ciod  a  rinn 
e  ?  Thog  e  a  dha  laimh,  bhuail  e  a  bhois  air  a 
bhathais,  is  ruith  e  a  steach  do'n  Manse,  agus  an 
ceami  greis  bha  e  'n  a  ruith  a  dh'ionnsuidh  na 
steisun. 

Bu  leor  sin  do'n  chaileig.  Dh'innis  i  ann  an 
cagar  do  dhuine  no  dha  gu  robh  bean  a'  mhinis- 
tir fiadhaich'  tinn  ann  an  Dim-eideann,  cho 
tinn  's  gu  robh  iad  a'  deanamh  iirnuigh  air  a 
son,  agus  gu'n  d'  fhalbh  am  ministear  'n  a  ruith 
a  bhreith  air  an  train.  Dh'innis  an  duine  no 
dha  sin  ann  an  cagar  do  thritiir  no  cheathrar  eile 
nach  robh  dochas  air  bith  aig  na  dotairean  gu'n 
tigeadh  i  bhuaith.  An  sin  stad  a'  chagarstaich, 
oir  cha  bu  sgeul-ruin  e  na  b'  fhaide,  is  thoisich 
an  naidheachd  air  sgaoileadh.  Thubhairt  bean 
an  Tailleir  gu'n  do  shiubhail  piuthar-a-mathar 
le  pneumonia,  agus  gu'n  d'  thug  ise  an  aire  an 
droch  choltas  a  bha  air  bean  a'  mhinistir  an  la 
mu  dheireadh  a  bha  i  anns  an  eaglais.  Ma  tha 
pneumonia  oirre-se,  arsa  bean  a'  bhancair, 
foghnaidh  sin. 

Am  feasgar  sin  fhein,  'nuair  nach  d'  fhuair 
fear-deasachaidh  a'  Mhiosachain  fios-freagairt 
o'n  Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  chuir  e 
telegram  eile  thuige  a  bha  air  a  liubhairt  anns  a' 
Mhanse  greis  mhaith  an  deidh  dha  falbh  do 
Dhim-eideann,  "  Tha  mi  duilich  gu  bheil  e  a  nis 
ro  anmoch."  Ged  nach  robh  an  telegram  sin 
air  a  fosgladh  bha  e  air  feadh  Chille-sgumain 
ann  an  uair  a  dh'uine  gu'n  do  shiubhail  bean  a' 
mhinistir  le  pneumonia  ;  gu  robh  tri  dotairean 
timchioU  oirre,  agus  Ian  an  tighe  de  mhinis- 
tearan  ag  urnuigh  air  a  son,  ach  a  dh'aindeoin 
sin  uile,  gu'n  do  bhuail  an  tinneas  i  cho  laidir  's 
nach  do  sheas  i  ach  da  la  ris.  Thoisich  muinntir 
Chille-sgumain  air  foighneachd  de  chach  a  cheile 
an  cualas  c'  uin  a  bhitheadh  an  tiodhlachadh 
ann,  ach  am  feadh  's  a  bha  iadsan  a'  feitheamh 
ri  telegram  mu'n  torradh  bha  Niall  Mac  Phar- 
lain agus  a  bhean  gu  h-aighearach  an  Diin- 
eideann,  eadar  an  Zoo  agus  Tigh-nan-dealbh. 

An  creideadh  tu  gu'n  tachradh  a  leithid  sud 
am  measg  dhaoine  laghach  firinneach  ;  daoine 
nach  d'  fhag  gin  dhiubh  an  sgoil  gus  an  robh  iad 
ceithir  bliadhna  deug  co  dhiu,  agus  cuid  dhiubh 
fada  na  bu  shine  ? 

Barnabas  Tobit  agus  Susanna 

So  sop  eile  a  leigeas  fhaicinn  dhuit  mar  a 
sgaoileas  naidheachd.  Ann  an  Oil-thig  Chill- 
rimhinn  bha  ard  fhear-teagaisg  a  bha  'n  a 
sgoilear  maith.  Faodaidh  mi  Barnabas  Tobit  a 
radh  ris,  ged  nach  b'  e  sin  ainm  idir.  Ach  ged 
bha  e  maith  air  Eabhra  agus  air  Greigis,  cha 
robh  bean  aige,  rud  a  bha  'n  a  ionghnadh  do 
bhoirionnaich  Chill-rimhinn,  agus  rud  air  am 
bitheadh  iad  a'  bruidhinn  'n  am  measg  fhein, 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— ICHABOD 


oir  bu  duine  e  leis  am  bu  toil  companas  a  cho- 
chreutairean. 

An  uair  a  bha  Press  Oil-thigh  Oxford  a'  cur 
a  mach  leabhi-aichean  an  Apocripha  dh'iarr  iad 
air  Barnabas  Tobit  an  da  sgriobhadh  so  a 
ghabhail  os  laimh,  Susanna,  agus  Oran  na  Triuir 
Chloinne,  no  mar  theirear  ris  gu  goirid,  An  Triuir 
Ckloinne.  Thug  e  seorsa  de  ghealltanas  gu'n 
deanadh  e  an  obair  so  dhaibh  agus  gu'n  ullaich- 
eadh  e  na  sgriobhaidhean  ud  air  son  a'  chlo,  ach 
bha  e  cho  mairnealach  uime  agus  bha  e  cho 
duilich  dhaibh  dad  fhaotainn  as  a  lamhan  's 
gu'n  do  thoisich  Press  Oil-thigh  Oxford  air  am 
faidhidinn  a  chall,  agus  mu  dheireadh  chuir  iad 
telegram  thuige  ag  iarraidh  air  an  gnothuch  a 
chur  an  dara  taobh  gun  an  tuilleadh  dalach, 
"  An  gabh  thu  '  Susanna  '  agus  '  An  Triuir 
Chloinne  '  no  naeh  gabh  ?  Freagair  a  dh'aon 
ruith."  Chuir  e  am  freagairt  air  ais  leis  a' 
bhalach  a  thainig  leis  an  telegram.  "  Gabhaidh 
mi  '  Susanna  '  ach  cha  ghabh  mi  '  An  Triuir 
Chloinne.'  " 

Ann  an  seachduin  bha  e  air  feadh  Chill- 
rimhinn  gu  robh  Barnabas  Tobit  a'dolaphosadh. 
Cha  b'  urrainn  duine  air  bith  innseadh  c6  i,  ged 
bha  na  boirionnaich  ann  an  ireapaich  a  chluinn- 
tinn,  ach  bha  e  air  a  mhonmhur  gur  e  Susanna  a 
b'  ainm  dhi;  bantrach  aig  an  robh  triuir  chloinne, 
ach  gu'n  do  rinn  Barnabas  Tobit  cixmhnant  ri  a 
cuideachd  nach  bitheadh  gnothuch  aige  ris  a' 
chloinn,  agus  gu'm  feumadh  iad  an  cumail  ann 


an  Oxford.  Bha  e  air  a  radh  cuideachd  gu  robh 
i  leth-cheud,  mur  robh  i  os  a  chionn,  agus  gu 
robh  Tobit  a'  feuchainn  ri  tarruing  air  ais  gus  an 
do  bhruidhinn  a  cuideachd  gu  maith  teann  ris. 

Feuch,  cia  mor  an  connadh  a  lasas  teine  beag  ! 

Togail  mhor  air  steidh  nach  seas  ! 

An  fhirinn  air  a  dreach 

Bha  mi  uair-eigin  an  diiil  gur  e  a'  bhuannachd 
as  f  hearr  a  gheibh  daoine  bho  sgoil,  gu  bheil  an 
t-ionnsachadh  a  tha  iad  a'  faotainn  anns  an  sgoil 
'g  an  dion  o  bhi  creidsinn  naidheachdan  no 
barraghloir  air  nach  'eil  dreach  na  firinn.  Bha 
mi  an  diiil  gu'n  teagaisg  sgoilearachd  do  dhuine 
an  fhirinn  aithneachadh  air  a  dreach.  Tha 
daoine  ann  as  urrainn  sin  a  dheanamh,  aith- 
nichidh  iad  an  fhirinn  air  a  dreach,  ach  tha  mi 
a'  faicinn  a  nis  gu'm  faighear  an  seorsa  sin  am 
measg  dhaoine  nach  d'  fhuair  a  bheag  de  sgoil 
cho  trie  's  a  gheibhear  iad  am  measg  sgoilearan. 
Cha  dean  "  ionnsachadh  "  no  "  sgoil  "  athar- 
rachadh  mor  air  an  inntinn  a  tha  aig  duine  gu 
nadurra.  Cuir  duine  aig  a  bheil  inntinn  C3  gu 
nadurra  do'n  ChoUaist  fichead  bliadhna,  agus 
cha  bhi  aige  ach  inntinn  CS  air  a'  cheann  mu 
dheireadh,  ged  bhitheadh  treathlaich  mhor  a 
dh'eolas  aige.  Agus  air  an  laimh  eile  aith- 
nichear  an  inntinn  a  tha  Al  ged  nach  bitheadh 
a'  bheag  de  sgoil  ann  an  ceann  an  f  hir  aig  a  bheil 
i.     Is  treasa  diichas  na  oilean. 


Ichabod 


/TI)HA  so  air  a  chur  thugam  a  eilean  Thiriodh 
V-L*  le  Ceit  Nic  Fhionghuin,  ann  an  Odhrisgear, 
agus  tha  mi  'g  a  thoirt  am  follais  a  chionn  gu 
bheil  e  ag  tirachadh  mo  chuimhne  fein,  agus 
gu'n  iiraich  e  cuimhne  dhaoine  eile  anns  na  h- 
Eileanan  an  lar  air  an  duine  bheannaichte,  an 
t-Urramach  D.  T.  Mac  Aoidh,  nach  maireann. 
Tha  gineal  iir  ag  eirigh  suas  do  nach  b'  aithne 
D.  T.  Mac  Aoidh  no  a  dhoighean.) 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  dol  thairis  air 
seann  litrichean  a  fhuair  mi  o  chionn  f hada,  agus 
'n  am  measg  thachair  te  orm  bho'n  mhinistear 
Mac  Aoidh,  agus  tract  Bheurla  'n  a  broinn  fo'n 
ainm  '  Ichabod.'  Leugh  mi  an  tract,  is  chord  i 
rium  cho  maith  's  gu'm  b'  fhearr  leam  gu'n 
gabhadh  i  cur  ann  an  Gaidhlig.  Ach  cha 
ghabh. 

Their  cuid  gu  bheil  a'  Ghaidhlig  na's  milse  na 
Bheurla.  Tha,  ma's  ann  air  gnothuichean 
Gaidhealach  a  thatar  a'  bruidhinn,  ach  gnoth- 
uch a  tha  air  a  thoirt  a  canain  eile  cha  bhith- 
eadh e  idir  cho  mills  ann  an  Gaidhlig. 

Duine  gun  ghruaim 
'S  ann  againne  a  bha  an  reuson  a  bhi  taingeil 
an  Uine  f  hada  a  bha  Mghr  Mac  Aoidh  againn  'na 


mhinistear  an  Tiriodh.  Ged  bha  ministearan 
maith  eile  againn,  chan  fhaca  mise  riamh  duine 
eile  a  bha  cho  coltach  ris  an  rud  a  bu  choir  do 
mhinistear  a  bhi  'na  dhol  a  mach,  mar  their  sinn, 
ri  Mghr  Mac  Aoidh.  Cha  chuireadh  ni  fo'n 
ghrein  fuadach  air  o  thigh  air  bith,  agus  cha 
robh  fuath  'na  inntinn  do  neach  air  thalamh. 
Duine  naomh,  ged  is  beag  a  bha  de  choltas 
naoimh  air,  co  dhiu  aig  amannan,  oir  bha  e  Ian 
dibhearsoin.  'N  uair  a  bhitheadh  e  a'  sear- 
monachadh  bha  e  a'  lasadh  le  durachd  agus 
trom  air  fhein,  ach  cha  robh  coltas  aingil  air 
anns  a'  phupaid  air  a  shon  sin.  Is  gann  gu'n 
tuigeamaid  gu  de  a  bhiodh  e  ag  radh,  ach  bha 
h-uile  duine  toilichte  le  a  shearmoin,  agus  mar 
shearmonaiche  cha  robh  a  leithid  ach  annamh. 
Tha  cuimhne  agam  gu  maith  gur  e  so  toiseach 
na  h-iii'nuigh  aige  daonnan,  "  A  Thi  Naoimh 
agus  Uile-bheannaickte,  is  Tiifein  a  mhain  an  aon 
Dia  beb  agus  f  tor,"  agus  fad  na  h-urnuigh  bhith- 
eadh e  'ga  chrathadh  fein  a  null  's  a  nail  air  a' 
shail  anns  a'  phupaid. 

Na  laithean  sona 

O,  nach  bu  mhaith  na'n  robh  sinn  air  ar  n-ais 
anns  na  laithean  ud  !  Ach  chunnaic  mise  na 
laithean  ud,  is  foghnaidh  sin.     Bithidh  iad  'n 


ICHABOD— AIG  AN  UINNEIG 


am  chumhne  gu  brath,  agus  is  e  sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  mi  ag  radh  gu  bheil  aobhar  againn  a 
bhi  taingeil  gu  robh  Mghr  Mac  Aoidh  againn 
mar  mhinistear  nmoran  bhliadhnachan. 

Bha  an  litir  air  an  do  she  all  mise  an  la  roimhe 
air  a  sgriobhadh  'nuair  a  bha  e  fhein  agus  a 
bhean  a'  fagail  an  eilein  ;  'sea  bhean  a  sgriobh 
i,  ach  chuir  e  fhein  criomaninnte  aig  an  deireadh , 
agus  tract  agus  earail  mhaith  mar  bhitheadh  e 
a'  deanamh  daonnan.  Co  riamh  a  fhuair  litir 
o  Mhghr  Mac  Aoidh  gun  sin  ? 

Is  duilich  leam  a  bhi  faicinn  a'  Mhanse  aige  a' 
dol  a  dholaidh  an  diugh  ;  do  'n  ghineal  againne 
is  e  "  Manse  Mhic  Aoidh  "  a  bhios  ann  gu  brath. 
Rud  bochd  a  tha  ann,  niansaichean  agus  tighean- 
sgoile  a  bhi  falamh,  no  air  an  suidheachadh  air 
mhal.  Chan  ann  air  a  shon  sin  a  chaidh  an  cur 
suas,  ach  air  son  gu'm  biodh  daoine  ionnsaichte 
annta  aig  am  biodh  iighdarras  am  measg*an 
t-sluaigh  ;  daoine  a  b'  fhiach  dhuit  feasgar  a 
chur  seachad  comhla  riu  anns  an  t-seomar,  agus 
a  bheireadh  dhuit  eolas  agus  edification.  Ach 
chan  fhaigh  thu  sin  an  diugh  ann  an  tigh-sgoil 
anns  an  aite  so  ;  chan  'eil  romhad  ach  mar  gu'm 
biodh  ejicyclopaedia  Ian  de  threathlaich  anns 
nach  'eil  bladh  no  tlachd.  Ichahod  !  Ichabod  !, 
dh"  fhalbh  a'  gklbir  o  Israel. 

An  diadhaidheachd  fhior 

Cha  toigh  leam  uair  sam  bith  a  bhi  gabhail 
gnothuich  ri  ministearan  no  ri  daoine  a  tha  a' 
searmonachadh  ;  is  maith  leam  air  sgath 
Neimh  leigeil  leo.  Cha  mhise  am  breitheamh, 
ach  air  a  shon  sin  chan  'eil  e  duihch  do  dhuine  a 
thainig  gu  aois  fhaicinn  nach  'eil  eolas  no  seall- 
adh  aca  air  neamh  no  air  a'  bheatha  a  tha 
romhpa  seach  mar  tha  againn  fhein,  oir  tha  sinn 
uile  mar  gu'm  bitheadh  a'  chlann  bheag  a 
thaobh  an  t-saoghail  spioradail  nach  f  haca  sinn 
riamh.  Tha  an  t-amadan  as  motha  cho  fiachail 
ann  an  sealladh  Dhe  ris  an  duine  aig  a  bheil 
ionnsachadh  agus  gliocas.  Duine  air  bith  a  tha 
deanamh  mar  is  f  hearr  is  urrainn  dha,  agus  nach 
'eil  naimhdeil  no  eucorach  ann  an  gnothuichean 
saoghalta,  sin  an  seorsa  duine  a  tha  ionmhuinn 
le  Dia.     Tha  peacadh  agus  peacadh  ann,  ach  is 


e  na  peacaich  as  miosa,  an  fheadhainn  a  tha 
sanntach,  cuilbheartach,  guineach,  a  dh'  aindeoin 
gu  bheil  eolas  aca  air  a'  Chreideamh  Chrios- 
duidh.  Thig  iomadh  rud  nach  'eil  Criosdail  a 
steach  air  t'  inntinn  air  uairean,  air  chor  agus 
gu'n  abair  thu  riut  fhein,  "  Cha  bu  choir  dhomh 
sud  a  radh"  no  "  Tha  mi  duilich  gu'n  do  rinn  mi 
sud,"  ach  bheir  Dia  maitheanas  do  dhuine  de'n 
t-seorsa  sin  ma  dh'  iarras  e  e. 

Ach  is  rud  eile  e  daoine  a  bhi  a'  suidhe  anns 
an  eaglais  agus  coltas  cho  soluimte  orra  's  gu'n 
saoileadh  tu  gur  ann  an  neamh  a  tha  an  smuain- 
tean,  agus  an  smuaintean  air  beathaichean  an 
coimhearsnaich  a  dh'  fhag  iad  dliith  do  'n 
mhointich  oidhche  Shathurna,  an  dochas  gu'n 
rachadh  aon  de  na  beathaichean  innte.  Am 
faigh  a  leithid  sin  de  dhaoine  neamh.  Chan 
fhaigh,  chan  fhaigh  ;  chan  abradh  am  ministear 
Mac  Aoidh  fhein  gu'm  faigh,  ged  bha  e  cho  maith 
agus  cho  caomhail  's  nach  bu  toigh  leis  duine  air 
bith  a  dhunadh  a  mach  a  neamh. 

Chan  'eil  uair  a  sheallas  mi  air  a'  Mhanse  aige 
nach  cuimhnich  mi  air  ;  am  Manse  anns  an  robh 
duine  naomh  aig  an  robh  iighdarras,  ministear 
ris  am  b'  fhiach  ministear  a  radh  agus  duine- 
uasal.  Ach  tha  am  Manse  a  nis  falamh  ;  agus 
chan  f  haicear  an  diugh  's  an  aite  so  a  leithid. 

Fhreagradh  am  Manse  gu  gasda  air  ministear 
mor  ceart  a  leig  dheth  a  dhreuchd  ann  an 
deireadh  a  laithean  agus  a  shealladh  thairis  air 
an  fheadhainn  oga,  seann  duine  coir  a  bheireadh 
searmon  ceart  do  'n  t-sluagh  an  drasd  's  a  ris, 
chan  ann  air  son  cosnaidh  ach  le  toil  a  bhi 
bruidhinn  ri  daoine  mu  Dhia  agus  mu'n  bheatha 
nihaireannaich.  Na  'n  toilicheadh  e  dh'  f haodadh 
e  a  bhi  deanamh  laoidhean  'n  a  sheann  aois,  ach 
is  e  mo  bharail  fhein  gur  f hearr  do  dhaoine  aon 
laoidh  mhaith  a  bhi  aca  'g  a  seinn  daonnan  seach 
a  bhi  ag  uisneachadh  torr  de  laoidhean  dona, 
anns  nach  'eil,  an  deidh  saothair  mhor  a  chosd 
orra,  ach  an  aon  ni  ann  an  atharrachadh  doigh. 

Tha  an  t-am  agam  sgur  ach  b'  f  hearr  leam  gu 
robh  Manse  Mhic  Aoidh  air  a  shuidheachadh  air 
mhal  air  ministear  de  'n  t-seorsa  a  tha  mi  ag 
radh.  Tha  an  t-aite  cho  boidheach,  ach  tha 
Ichabod  air  a  sgriobhadh  air  na  ballachan,  agus 
air  na  h-uinneagan,  agus  air  a'  gharradh. 


Aig  an  Uinneig 


Cleir  Lathurn 

THA  na  h-eaglaisean  a  bha  gun  mhinistear 
ann  an  Cleir  Lathurn  a'  faotainn  da  mhini- 
stear og  a  bhitheas  'n  an  neart  do'n  Chleir ; 
Uilleam  DomhnuUach,  M.A.,  a  tha  dol  do 
Sheann  Eaglais  an  Obain,  agus  Calum  Mac 
Thorcadail,  M.A.,  a  tha  dol  do  Lios-mor. 

Tha  uiread  a  dh'  eaglaisean  anns  an  Oban 
's  gu'm  faodadh  te  dhiubh  a  bhi  'n  a  h-eaglais 
Ghaidhlig  uile  gu  leir,  gun  Bheurla  idir,  agus 


na'n  gabhadh  sin  deanamh  's  e  an  t-Seann 
Eaglais  a  bhiodh  freagarrach  air  son  na  Gaidh- 
lig.  Cha  mhor  nach  'eil  e  cho  duilich  da 
chanain  a  chumail  beo  ann  an  coimhthional 
's  a  tha  e  seirbhis  a  dheanamh  do  dha  mhaigh- 
stir. 

Cha  mhor  eaglaisean  anns  a'  Ghaidhealtachd 
a  tha  na's  truime  air  ministear  na  Seann 
Eaglais  an  Obain,  far  a  bheil  tri  seirbhisean 
a  h-uile  Sabaid,  a  thuilleadh  air  classaichean 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Biobuill  agus  sgoil-Shabaid.  Ach  gu  fortanach 
tha  am  ministear  iir  bg,  agus  luath,  agus 
laidir,  agus  a  reir  mar  tha  mi  a'  cluinntinn, 
maith  air  obair. 

Ged  nach  'eil  Lios-mor  an  diugh  cho  in- 
bheach  no  cho  uasal  am  measg  nan  eileanan 
eile  's  a  bha  e  an  uair  a  bha  Easbuig  Earra- 
Ghaidheal  a'  fuireach  an  Caisteal  Ach-an- 
diiin  tha  e  'na  eilean  cho  boidheach  agus  'na 
sgireachd  cho  ion-mhiannaichte  's  gu'm  faod 
Calum  Mac  Thorcadail  a  bhi  toiUchte  gu'n 
do  thuit  a  chrannchur  ann  ann  an  toiseach  a 
mhinistrealachd.  Is  e  Uidhisteach  a  tha  ann 
am  ministear  iir  Lios-mor  ;  bha  e  air  oileana- 
chadh  an  Oil-thigh  Chill-rimhinn  agus  'n  a 
fhear-cuideachaidh  an  Inbhir-Esc  far  an  d' 
fhuair  e  ionnsachadh  maith  bho  mhinistear 
maith,  an  t-Ollamh  Uilleam  Edie  nach  rnair- 
eann.  Tha  GaidhUg  mhaith  aige,  is  bithidh 
sin  'n  a  chuideachadh  d'a  bhraithrean  ann  an 
Cleir  Lathurn. 

'S  e  ministear  a  b'  ainmeile  a  bha  riamh  an 
Lios-mor,  an  t-Urramach  Domhnull  Mac 
Neacail  ;  bha  sia  deug  de  chloinn  aige  ach 
shiubhail  a'  chuid  mhor  dhiubh  'n  an  lean- 
aban.  Choisinn  e  chii  am  measg  a  luchd-diith- 
cha  le  dol  an  caonnaig  ris  an  Ollamh  Mac 
Iain,  ach  b'  e  sin  seangan  a'  toirt  greim  a 
gearran,  no  Tomas  na  h-Ordaig  a'  gleachd 
ri  Fionn  Mac  Cumhail.  Bha  e  air  a  radh  gu 
robh  e  'n  a  sgoilear  maith  agus  'n  a  bhard 
maith,  ach  chan  'eil  cuimhne  air  dad  d'a 
bhardachd  a  nis  ach  an  aoir  shalach  a  I'inn  e 
do'n  Ollamh  Mac  Iain ;  "an  losgann  mha- 
gach,"  mar  thubhairt  e  ris. 

Ministearan  agus  Gnothuichean 

Tha  moran  dhaoine  an  diiil  nach  'eil  ininis- 
tearan  suas  ri  gnothuichean,  agus  mar  sin 
nach  bu  choir  dhaibh  lamh  a  bhi  aca  idir  ann 
an  riaghladh  na  Siorramachd,  no  ann  an  riagh- 
ladh  na  duthcha,  no  eadhon  ann  an  ciiisean 
aimsireil  na  h-eaglais  ;  gu'm  bu  choir  dhaibh 
an  obair  sin  fhagail  aig  daoine  a  tha  suas  ri 
gnothuichean,  tighearnan-fearainn,  baillidhean. 


marsantan,  luchd-lagha,  bancairean,  foirbhich. 
Tha  mise  a'  creidsinn  gu'm  biodh  e  gUc  do 
mhinistearan  cho  beag  's  is  urrainn  dhaibh 
de  riaghladaireachd  a  ghabhail  os  laimh,  agus 
an  aire  a  thoirt  air  an  fhior  obair  fhein,  an 
obair  spioradail  a  thugadh  dhaibh  ann  am 
ministrealachd  an  Fhacail,  ach  air  a  shon  sin 
chan  'eil  mi  a'  creidsinn  nach  'eil  ministearan  a 
cheart  cho  glic  agus  cho  crionna  ann  an  gnoth- 
uichean ri  seorsa  air  bith  eile  de  dhaoine. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  duthaich  aig 
a  bheil  am  boinne  so  de  'n  chuthach  'n  an 
ceann,  gu  bheil  iad  an  diiil  gu'm  bitheadh 
cuisean  na  rioghachd  air  an  ceartachadh  gu 
luath  na'n  robh  riaghladh  na  rioghachd  an 
lamhan  dhaoine  a  tha  suas  ri  gnothuichean, 
business  men,  mar  their  iad.  Chan  e  a  tha  iad 
a'  ciallachadh  leis  an  fhacal  sin,  daoine  aig  a 
bheil  sealladh  fada  agus  farsuing  a  chionn 
gu  bheil  eanchainnean  maith  aca,  ach  daoine  a 
rinn  fortan  a'  reic  siiicair,  no  a'  togail  bhat- 
aichean,  no  a'  deanamh  motor  cars,  no  a' 
malairt  airgid.  Nar  leigeadh  Dia  gu'n  cuiream- 
aid  an  rioghachd  air  chiiram  an  t- seorsa 
sin  !  Bu  cho  maith  leam  a  cur  air  chiiram 
nam  ban.  Bha  tuilleadh  's  a  choir  ann  an 
lamhan  an  t-seorsa  dhaoine  sin  am  bliadh- 
nachan  a'  chogaidh,  agus  is  e  bu  deireadh  dha 
nach  mor  nach  do  bhris  iad  an  rioghachd. 
Dh'  at  an  cinn  mar  gu'm  biodh  balloon.  Ann 
an  ceart  da-rireadh  b'  fhearr  leam  baird,  agus 
speuradairean,  agus  ministearan,  agus  sgeul- 
aichean,  agus  dealbhadairean,  a  bhi  a'  riagh- 
ladh na  rioghachd  na  drobhairean  agus  mar- 
santan, ged  their  an  saoghal  nach  'eil  ann  am 
baird  no  ann  am  ministearan  ach  leanaban 
a  thaobh  ghnothuichean.  Ach  tha  urrainn 
mhaith  ag  radh  gu  bheil  nithean  ann  a  tha 
air  am  foillseachadh  do  leanaban  ach  a  tha 
foluichte  air  daoine  a  tha  dichiollach  ann  an 
gnothuichean. 
Tha  gliocas  an  duine  ionnsaichte  ri  fhaotainn  le 

athais, 
Agus  fasdidh  e  glic  ma  tha  'inntiim  saor  is  moran 
ghnothuichean. 


Laoidh   {O'n  Bheurla) 


OM'  anam  dliithaich  cathair  grais. 
Far  an  eisd  an  Slan'ghear  caomh  : 
Dean  sleuchdadh  sios  aig  casan  los', 
Co  chailleadh  riamh  ri  'thaobh  } 

Do  ghealladh  fein  mo  bhonn  a  mhain, 

Gu  dol  le  danachd  dliith, 
Oir  ghairm  Thu  anm'  tha  uallaicht'  sios, 

'S  gur  mis',  O  Thighearn,  aon  dhiiibh. 

Fo  uallach  peacaidh  liibt'  gu  lar, 
Fo  ainneart  Shatain  sffith. 


Fo  stri  a  muigh  's  fo  gheilt  a  stigh, 
'Na  d'  fhasgadh  faigheam  sith. 

Bi  dhomh  'na  d'  sgeith  's  na  'd  uaigneas  caomh, 

Mar  sin  ri  d'  thaobh,  tre  ghras, 
Gu  seas  mi  gruaim  m'  fhir-casaid  cruaidh, 

'S  mi  'g  inns'  gu'n  d'  fhuair  Thu  bas. 

O  'n  gaol  do-luaidh  !  am  fuil  do  bhais. 

Air  crann  fo  nair'  a  dh'  eug. 
Chum  cionntaich  mar  tha  mis'  gu  'n  earb 

Ri  eifeachd  d'  ainm  'n  ar  feum. 

D.  M.  M.,  an  Dearbhaig. 


Aireamh  5 


937 


Skint  is  Fallaineachd 


Leis  an  Uhhamach  Calum  Mac  Leoid,  M.A.,  Eaglais  Iain  Knox,  an  Glaschu   " 

"  Uime  sin,  a  mhuinntir  mo  ghraidh  .  .  .  lan-oibrichibh  'ur  slainte  fein  le  h-eagal  agus  hall-chrith  :  oir  is  e  Dia 
a  dh''  oibricheas  annaihh,  araon  an  toil  agus  an  gniomh  a  reir  a  dheagh-ghean  fein." — Philipianaich,  ii.  12-13. 


THA  an  abstol  ag  radh  an  ait  eile  nach  bi 
feoil  air  bith  air  a  fireanachadh  am  fianuis 
Dhe  tre  oibre  an  lagha.  'Se  sin,  tre  oibre 
fhein,  nach  'eil  e  comasach  do  neach  air  bith 
e-fhein  a  shaoradh.  Ge  b'  e  de  cho  maith  agus 
a  tha  a  chaithe-beatha  ;  ge  b'e  de  cho  feumail 
agus  cho  trocaireach  agus  cho  coibhneil  agus  a 
tha  a  ghniomharran  nach  dean  sin  a  shaoradh. 
So  teisteas  facal  Dhe,  nach  'eil  e  comasach  do 
neach  air  bith  e-fhein  a  shaoradh,  air  cho  maith 
is  cho  cHiiiteach  is  cho  trocaireach  agus  a  tha  a 
dheanadasan.  Agus  tha  fein-fhiosrachadh 
cridhe  an  duine  a'  togail  na  deai'bh  fhianuis,  'se 
sin,  nach  dean  duine  aon  chuid  e-fhein  f hirean- 
achadh  am  fianuis  Dhe,  no'  anam  a  shaoradh  le 
a  dheagh  dheanadasan. 

Ciod  a  reist,  a  tha  an  abstol  ag  ciallachadh  an 
so  ann  a  bhi  ag  radh  ruinn  :  "  Lan-oibrichibh 
'ur  slainte  fhein  le  h-eagal  agus  ball-chrith." 
Am  beil  e  a'  sparradh  oirnn  sinn  a  dheanamh  an 
ni  sin  nach  'eil  an  comas  do  dhuine  air  thalamh 
a  dheanamh,  'se  sin,  sinn-fhein  a  shaoradh. 
Is  cinnteach  nach  'eil.  De  a  reist,  a  tha  e  ag 
ciallachadh  ?  Tha  mi  a'  smaoineachadh  gu'n 
tuig  sinn  mar  so  e  le  bhi  deanamh  greim,  agus 
ag  cumail  cuimhne,  an  toiseach  air. 

Tiodhlac  Dhe 

I.  Gur  h-e  tiodhlac  a  tha  'san  t-slainte — saor 
thiodhlac  Dhe. 

Fhaic  thu,  chan  urrainn  dhuit  ach  soitheach 
criadhadh  a  dheanamh  de  chriadh.  Faodaidh 
tu,  ma  tha  an  sgil  sin  agad,  soitheach  fior 
chuimte  is  fior  eireachdail  is  fior  fheuniail  a 
dheanamh  de  chriadh,  ach  mur  'eil  stuth  agad 
ach  criadh  chan  'eil  e  an  comas  neach  air  thalamh, 
soitheach  airgid  a  dheanamh  de'n  chriadhaidh. 
Le  oibreachadh  na  criadhaidh  chan  'eil  e  an 
comas  duine  beo  cuspair  airgid  a  dheanamh. 
Cha  mho  as  urrainn  neach  'sam  bith  ge  b'e  de 
cho  lamhcharach  is  cho  sgilear  agus  a  tha  e, 
soitheach  oir  a  dheanamh  de  dh'  airgiod.  Tha 
an  soitheach  a  reir  an  stuth  as  a  bheil  e  air  a 
dheanamh. 

Faodaidh  saor,  bord-bidhe  maith  agus  feu- 
mail a  dheanamh  de  fhiodh  giubhais,  bord  a 
bhios  grinn  agus  feumail  gu  leor,  ach  cha  do 
rugadh  an  saor  sin  as  urrainn  bord  daraich  a 
dheanamh  mur  'eil  fiodh  aige  ach  giubhas.    Tha 


mar  sin  an  ni  a  nitear  a  reir  an  stuth  as  a  bheil  e 
air  a  dheanamh  .  .  .  ma's  ann  de  chriadh  'na 
chuspair  criadha,  ma's  ann  de  fhiodh  'na  chus- 
pair  fiodha,  ma's  ann  de  dh'  or  'na  chuspair  oir. 
A  reir  gne  a  stuith  is  ann  a  tha  a  ni  a  nitear 
dheth. 

Stuth  na  Slainte 

A  nise,  ma  tha  stuth  na  slainte  aig  an  duine 
fhein,  ma  tha  stuth  na  beatha  maireannaich  aig 
an  duine  nadurrach  faodaidh  e  gun  teagamh 
an  stuth  sin  oibreachadh  agus  a  shlainte  fhein 
oibreachadh  a  mach  agus  a  cur  gu  buil.  Ma 
tha  stuth  anam  an  duine  gu  nadurrach  fior  agus 
ceart  agus  naomh  faodaidh  an  duine  gun 
teagamh  an  stuth  sin  a  chur  gu  buil  agus  bithidh 
a  shlainte  fior  agus  naomh  agus  ceart  nuair  a 
chuireas  e  ceann-crioch  air  an  obair.  Ach  ma's 
e  agus  gu  bheil  anam  an  duine  gu  nadurrach 
peacach  agus  truaillidh,  ma's  e  agus  gur  h-e  so 
an  stuth  as  a  bheil  e  dol  a  dheanamh  soitheach, 
ge  b'e  de  cho  cuimte  is  cho  grinn  agus  cho 
feumail  agus  a  bhios  an  soitheach  chan  'eil  ann 
ach  soitheach  peacach  agus  truaillidh.  Cha 
ghabh  soitheach  oir  a  dheanamh  de  chriadhaidh. 
Cha  ghabh  slainte  a  bhi  -air  oibreachadh  a 
peacadh  is  truailleachd  is  bas,  ach  nam  bitheadh 
stuth  na  slainte  againn  .  .  .  beatha  is  gradh 
Dhe  ann  an  Criosd  .  .  .  dh'  oibricheadh  sinn 
an  sin  i.  Tha,  ma  tha,  Dia  a'  toirt  so  dhuinn 
ann  an  Criosd  mar  thiodhlac.  So  stuth  na 
slainte,  beatha  is  gradh  an  t-Slanuigheir  agus  is 
e  saor  thiodhlac  Dhe  dhuinne  e.  Tuigeamaid 
so,  ma  tha,  a  chairdean,  gur  h-e  tiodhlac  Dhe 
a  tha  'san  t-slainte  agus  gu  bheil  i  againn  ann 
an  Criosd  ;  agus  aon  uair  agus  gu'n  gabh  sinn 
ris-san  gu'm  faod  sinn  an  sin  toiseachadh  air 
oibreachadh  ar  slainte  fein,  agus  bithidh  an 
soitheach  slan  nuair  a  chriochnaichear  e  agus 
bithidh  e  air  a  dheanamh  de'n  or,  de  dh'  fhior 
stuth  na  slainte  a  tha  ann  an  Dia. 

Chi  sirfn  mar  sin,  a  chairdean,  gur  h-ann  ri 
Criosduidhean  a  tha  an  abstol  a  labhairt  an  so  ; 
ri  muinntir  a  ghabh  ri  Criosd  agus  aig  a  bheil 
esan  'nan  anam.  Gabh,  ma  tha,  ri  Criosd  agus 
bidh  stuth  na  beatha  maireannaich  air  do 
shiubhal  agus  ge  b'e  de  a  ni  thu  mairidh  e  agus 
tha  slainte  is  beatha  ann.  Feumaidh  sinn  mar 
sin  stuth  na  slainte  fhaotainn  mar  thiodhlac  o 
Dhia  mus  urrainn  duinnn  toiseachadh  air  an 
t-slainte  sin  oibreachadh. 


SLAINT  IS  FALLAINEACHD 


Tiurr  gun  fheum 

II.  A  ris,feumaidh  an  tiodhlac  so  a  hhi  air  a 
chur  gu  bull. 

Ann  an  Criosd  ar  Slanuighear  tha  stuth  na 
slainte,  no  na  beatha  maireannaich,  againn. 
Ach  ma  tha  thu  a'  dol  a  thogail  tighe,  faodaidh 
na  clachan  agus  an  t-aol  agus  am  morghan  .  .  . 
stuth  an  tighe  ...  a  bhi  air  an  larach,  ach  mur 
a  teid  sin  oibreachadh  cha  bhi  an  tigh  air  a 
thogail,  cha  bhi  ami  ach  tiiirr  gun  fheum.  Tha 
againn  ri  cur  gu  buil  an  stuth  a  thug  Dia  dhuinn 
ann  an  Criosd.         / 

Chan  e  sin  a  mhain,  ach  mur  a  h-oibrich  sinn 
e  theid  e  a  dhith,  mur  a  cuir  sinn  gu  buil  an 
t-slainte  fagaidh  i  sinn.  Tha  na  lighichean  ag 
radh,  nan  crochadh  tu  do  lamh  ri  t'  amhaich  fad 
bhadhna,  ged  nach  biodh  cail  cearr  oii're,  ann 
an  ceann  an  ama  sin  gum  bitheadh  i  gun  liithas 
gun  fheum  seach  nach  robh  thu  ga  cleachdadh. 
An  ni  nach  dean  thu  feum  dheth  agus  nach  cuir 
thu  gu  buil  theid  e  dholaidh. 

Bha  mi  a'  leughadh  gu  bheil  uamhaichean 
mora  air  cladaichean  Cheanntaogaidh  an 
America  a  tha  dol  fada  fada  a  steach  fo  an 
talamh  far  nach  ruig  leus  soluis  ;  agus  gu  bheil 
seorsa  eisg  a'  tighinn  beo  ann  an  "sin  ann  an 
dorchadas  na  fairge  agus  nach  e  mhain  gu'n 
chaill  iad  am  fadharc  ach  gu'n  chaill  iad  eadhon 
clach  na  siilach  fhein  .  .  .  far  am  bu  choir 
clach  na  siilach  a  bhi  nach  'eil  ann  ach  slochd 
falamh.  Seach  gu  robh  iad  daonnan  a'  tighinn , 
beo  'san  dorchadas  agus  gun  a  bhi  cleachdadh 
an  siiilean  gu'n  chaill  iad  gu  tur  an  siiilean. 
Sin  mar  a  tha,  mur  dean  sinn  feum  de  na 
buadhan  a  tha  againn,  caillidh  sinn  iad.  Nach 
minic  a  chunnaic  sinn  neach  a  sgur  a  dheanamh 
feum  de  mheadhonan  nan  gras  agus  a  dh'  fhas 
mi-chtiramach  gu'n  chaill  e  comas  feum  a 
dheanamh  de  nithean  maith  is  spioradail  Dhe. 
Chunnaic  sinn  iad  a'  dol  aog  am  measg  a'  phail- 
teis  agus  iad  air  an  cail  a  chall  le  cion  a'  chleach- 
daidh  agus  leis  a'  mhi-chiiram.  A  chairdean, 
Ian  oibrichibh  bhur  slainte  fhein  a  thug  Dia 
dhuibh  ann  an  Criosd.  Cuir  an  t-slainte  gu 
buil  tre  tirnuigh  is  tre  bhi  leughadh  Facal  Dhe  ; 
tre  aoradh  an  tigh  Dhe,  tre  chomunn  sluagh  an 
Tighearna,  tre  bhi  ag  cuideachadh  an  aobhair 
agus  air  iomadh  doigh  eile.  Mur  cuir,  cailhdh 
tu  i. 

Cleachdadh  granda 

Ach  a  thaobh  na  cuise  so,  dh'  fhaodainn-sa 
innse  dhuibh  ni  n'as  \onghantaiche  agus  n'as 
uamhasaiche  na  na  thubhairt  mi.  Tha  treubh 
sheangain  ann,  agus  tha  an  cleachdadh  granda 
agus  aingidh  aca  a  bhi  deanamh  traillean  de 
threubhan  eile  de  sheangain.  Is  e  na  traillean 
so  a  tha  'na  saighdeirean  aca,  agus  is  iad  a  tha 
deanamh  gach  seorsa  oibre  d'ana  maighstirean 
ag  cumail  an  tighean  glan,  'ga  sgeadachadh 


fhein  agus  a'  solair  an  loin  dhaibh  ;  is  iad,  agus 
eadhon  ag  cur  am  bidhe  'nam  beul  an  deidh  a 
chagnadh  dhaibh.  Chan  'eil  na  "  h-uaislean  " 
fhein  a  deanamh  aon  ni  cruichte.  Ach  so  buil 
na  ciiise  :  gu'n  chaill  na  "  h-uaislean  "  comas 
am  bidhe  a  chagnadh  ;  gu'n  chaill  na  carbadan 
aca  an  luthas  agus  an  comas,  agus  a  nis  gu'm 
faigh  iad  bas  leis  an  acras  agus  pailteas  bidhe 
air  am  beulaibh,  mur  cuirear  nam  beul  e  air  a 
chagnadh  a  cheana.  Nach  ann  mar  sin,  a 
charaid,  a  tha  moran  dhaoine  a  faotainn  bais, 
agus  pailteas  de  Ion  spioradail  Dhe  air  am 
beulaibh  agus  gun  iad  comasach  air  a  ghabhail. 

Cothrom  air  a  chall 

A  dhuine,  mur  a  cuir  thu  gu  buil  na  cothroman 
agus  na  tiodhlacan  a  thug  Dia  dhuit  ann  an 
Criosd  theid  thu  a  dhith,  agus  fa  dheoidh  cailUdh 
tu  eadhon  comas  feum  a  dheanamh  de  shaor 
thiodhlac  Dhe  a  tha  e  a'  tairgse  dhuit  ann  an 
Criosd  ughdar  is  cuspair  na  slainte.  "So  an 
am  taitneach,  so  la  na  slainte." 

Ann  a  bhi  ag  oibreachadh,  ma  tha,  ar  slainte 
tha  am  ball-sampuil  a  th'  againn  ann  an  Criosd 
cho  coimhlionta  is  cho  glormhor  agus  gum  buin 
dhuinn  eagal  agus  ball-chrith  a  bhi  oirnn  gun 
fhios  nach  tig  sinn  fada  fada  gearr  .  .  .  agus 
tha  fhios  gu'n  tig  .  .  .  air  a  choiliontachdsan 
agus  air  a  ghloir-san.  Air  eagal  nuair  a  bhitheas 
ar  saothair  agus  ar  beatha  'san  t-saoghal-sa 
criochnuichte  nach  bi  ar  slainte-ne  coltach  ris- 
san.  Is  ann  le  bhi  cumail  Chriosd  fa  chomhair 
ar  sill  a  bhios  mothachadh  againn  air  staid  ar 
n-anama  fhein.  "  Lan  oibrichibh  'ur  slainte 
fein  le  h-eagal  agus  le  ball-chrith." 

Cumhachd  Chriosd 

III.  Rud  eile.  Cuimknicheamaid  so  cuideachd : 
Gur  h-e  Dia  a  tha  ag  oibreachadh  'na  shluagh 
fhein. 

Nuair  a  tha  sinn  ag  gabhail  ri  tiodhlac  na 
slainte  ann  an  Criosd  tha  esan  tre  a  spiorad  ag 
gabhail  comhnuidh  annainn.  Cha  mho  as  mise, 
ars'  an  abstol,  ach  Criosd  a  tha  ag  gabhail 
comhnuidh  annam.  Tha  a  lathaireachd-san 
agus  a  spiorad-san  a  tha  annainn,  a'  tabhairt 
toil  dhuinn  gu  bhi  ag  cur  na  slainte  gu  buil,  gu 
bhi  deanamh  feum  de  stuth  na  slainte  a  f  huaif 
sinn  ann  an  Criosd.  Is  e  cion  na  toile  as  coir- 
each  gu  bheil  moran  againn  mar  a  tha  sinn 
fada  fada  air  ais  ann  an  coimhhontachd  na 
slainte.  Tha,  ma  tha,  Criosd  nuair  a  tha  sinn 
maille  ris,  agus  esan  annainne  agus  sinne  ann- 
san,  a'  beothachadh  agus  ag  ath-nuadhachadh 
na  toile. 

Fhaic  thu,  ma  tha  toil  aig  neach  do  neach  eile 
ni  e  ni  sam  bith  air  a  shon  ;  agus  an  uair  a  tha 
toil  againn  do  obair  araidh  is  ann  a  tha  fadachd 
oirnn  gus  an  teid  sinn  an  ceann  na  h-obrach  sin. 
Tha  a  leithid  a  thoil  aig  cuid  a  dhaoine  do  bhi 


SLAINT  IS  FALLAINEACHD— CONRAD  AGUS  A'  CHORRABHAN 


3 


a'  breacach  agus  gu'n  cailleadh  iad  cadal  na 
h-oidhche  fhein  air  a  sgath.  Is  iomadh  fear  a 
chaill.  Tha  a  leithid  a  thoil  aig  cuid  a  dhaoine 
de  Dhia  agus  gur  minic  a  chuir  iad  seachad 
earrainn  mhor  de'n  oidhche  ann  an  co-chomunn 
Dhe.  Leugh  mi  ann  an  eachdraidh  beatha  an 
Naoimh  Frannsaidh  a  Assisi  gu  robh  e  fad  na 
h-oidhche  aon  uair  ag  iirnuigh  agus  gun  e  ag 
radh  facal  ach,  "  Mo  Dhia  agus  m'  uile  "  ; 
"  Mo  Dhia  agus  m'  uile." 

Toil  agus  gniomh 

Bha  an  sean-fhacal  ag  radh  :  "  far  am  bi  toil 
bi  gniomh  "  ;  agus  "  a  dh'  aindeoin  de  their  na 
sloigh  cha  ghloir  a  dhearbhas  ach  gniomh." 
'Se  de  a  tha  sinn  a'  deanamh  a  dhearbhas  de  an 
adhartas  a  rinn  sinn  anns  an  t-slainte,  ann  a  bhi 
ag  oibreachadh  ar  slainte  fhein.  Tha  cuid  a 
dhaoine  ann  agus  chi  agus  gheibh  iad  obair  ri 
dheanamh  ann  an  Eaglais  agus  an  aobhar  Dhe. 
Tha  iad  feumail  gu  bhi  ag  cur  air  adhart  gach 
ni   a   tha   ri   dheanamh.     Tha   toil   aca.     Tha 


spiorad  Dhe  agus  gradh  Chriosd  annta  a'  toirt 
toil  dhaibh.  Tha  Dia  ag  oibreachadh  annta 
araon  ann  an  toil  agus  ann  an  gniomh.  Nuair  a 
tha  feadhainn  eile  ri  bruidhinn,  agus  gun  ni  ach 
bruidhinn,  tha  iadsan  a'  deanamh  ni-eigin.  Sin 
agad  Dia  ag  oibreachadh  annta  ann  an  gniomh. 
Agus  is  e  spiorad  Dhe  a  tha  'gan  treoireachadh 
anns  gach  ni,  agus  ann  a  bhi  ag  cur  loinn  air 
gach  gniomh  a  ni  iad.  Chithear  grinneas  a 
laimhe-san  air  an  deanadasan. 

Obair  agus  Slainte 
Tha  an  obair  so  a'  toirt  am  barrachd  slainte 
dhaibh  ;  tha  i  a  lan-oibreachadh  a  slainte  fein 
dhaibh.  Cha  robh  duine  a  riamh  ceart  agus 
cha  robh  fear  a  riamh  fallain  gu'n  bhi  ag  obair, 
agus  tha  iadsan  a  fas  n'as  slaine  agus  n'as 
fallaine  tre  an  gniomharran.  A  charaid,  agus  a 
bhana-charaid,  gabh  ris  an  t-slainte  ann  an 
Criosd,  agus  na  fan  aig  an  sin  ach  lan-oibrich  a 
mach  i  le  h-eagal  agus  ball-chrith  ;  oir  is  e  Dia 
a  tha  ag  oibreachadh  annad  araon  an  toil  agus 
an  gniomh." 


Conrad  agus  a'  Chorra-bhan 

Leis  an  Ollamh  Gilleasbuig  Domhnullach,  an  Dun-eideann 


ANNS  na  laithean  deireannach  so  tha  pailteas 
eolais  againn  air  sgeula  maith  is  dona  a  tha 
innleachd  na  h-aimsir  a'  giulan  air  sgiathaibh  na 
gaoithe  bho  dhiithchanna  cian  agus  fagus.  Ach 
cha  b'  ann  an  diugh  no  an  de,  ach  bho  na  linntean 
'nuair  a  bha  an  saoghal  6g,  a  bha  eolas  air  a 
ghiulan  gu  clann  nan  daoine,  cha  b'  ann  air 
sgiathaibh  na  gaoithe,  ach  leis  na  teachdairean 
a  tha  ar  n-Athair  neamhaidh  a'  beathachadh 
ged  nach  cuir  iad  siol,  ged  nach  buain  iad,  agus 
ged  nach  cruinnich  iad  a  steach  do  shaibhlean. 
'Nuair  a  chluinnear  guth  an  turtuir  anns  an  tir 
tha  sin  ag  innseadh  gu  bheil  an  samhradh  air  an 
rathad,  agus  nach  diobair  an  gealladh  fhad  's  a 
mhaireas  an  saoghal,  nach  sguir  la  agus  oidhche, 
fuachd  agus  teas.  'Nuair  a  tha  an  gobhlan- 
gaoithe  a'  tighinn  bho  na  diithchannan  deas  tha 
e  a'  giulan  na  teachdaireachd  sholasaich 
cheudna.  Thug  an  columan,  'nuair  a  thainig 
e  le  dulleag  de  chrann-olaidh  'na  ghob  mar 
fhiannuis  gurobh  tuil  an  leir-sgrios  a'  traoghadh, 
solas  do  'n  duine  naomh  a  bha  'na  shearmonache 
fireantachd.  Bha  am  faidh  leremiah  'na 
dhuine  air  a  dheachdadh  leis  an  Spiorad  Naomh 
agus,  'nuair  a  sheall  e  le  siiil  gheur  air  a'  chruth- 
achadh  bheo,  fhuair  e  anns  na  chunnaic  e 
teagasg  freagarrach  air  son  an  t-sluaigh  "  Seadh 
is  aithne  do'n  chorra-bhain  anns  an  athar  a  h-am 
fein  .  .  .  ach  chan  aithne  do  mo  shluagh-sa 
breitheanais  an  Tiffhearna." 


Anns  an  Earrach 

Ach  is  ann  mu  chorra-bhain  araidh  a  tha  e  'n 
am  bheachd  beagan  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so  mar  a  leanas.  An  cearn  araidh  de  thir 
Lochlainn  chiteadh  anns  na  laithean  a  dh' 
f  halbh  dealbh  corra-bhain  air  a  shnaidheadh  air 
fiodh  balla  na  h-eaglais  an  aon  de  bhailtean  na 
diithcha.  Agus  is  i  so  an  sgeul  a  tha  air  a 
h-aithris  le  muinntir  a'  bhaile,  ag  innseadh  mar 
thachair  do  dhealbh  na  corra  a  bhi  far  an  robh  e. 

Bha  bantrach  araidh  agus  a  mac  ag  comh 
nuidh  anns  a'  bhaile  sin,  agus  thachair  a  h-uile 
Earrach  gu'n  tigeadh  corra-bhan  a  neadachadh 
agus  a  thabhairt  a  mach  ail  dliith  do  an  dachaidh, 
agus  an  uair  a  thigeadh  am  Foghar  bha  i  fein 
agus  a  linn  a'  gabhail  an  turuis  do  dhiithaich 
eile.  Bha  an  gille  6g,  Conrad,  agus  a  mhathair 
anabarrachcoibhneilrisan  eun,agus  a'  deanamh 
fior  pheata  dhi,  a'  sealltuinn  air  son  a  teachd  a 
h-uile  Earrach,  a'  cur  failte  oirre  agus  a'  tabhairt 
bidh  dhi,  agus  'nuair  a  dheanadh  Conrad  fead 
thigeadh  i  a'  sgiathalaich  far  an  robh  e. 

An  dosgaidh  an  dan 

Mar  so  chaidh  na  h-Earraich,  na  Foghair,  na 
bliadhnaichean  seachad.  Dh'  f  has  Conrad  suas 
gu  ire  duine,  agus  ghabh  e  seirbhis  mar  mhar- 
aiche  air  luing  a  bha  seoladh  thairis.  Ach  cha  b' 
f hada  ffu  an  do  thachair  tuiteamas  tubaisteach 


4.   CONRAD  AGUS  A'  CHORRA-BHAN— ABRAHAM  AGUS  AN  COIGREACH 


do  an  luing.  Mar  a  bha  an  dosgaidh  an  dan 
bha  ionnsuidh  naimhdeil  air  a  tabhairt  oirre  le 
creachadairean  mara,  agus  bha  an  sgiobadh, 
agus  Conrad  mar  chach,  air  an  reic  naar 
thraillean. 

Shiubhail  an  aimsir  gun  sgeul  air  Conrad, 
agus  chaoidh  a  mhathair  e  mar  aon  ris  an  do 
rinn  i  an  dealachadh  buan.  Ach  bha  a'  chomh- 
fhurtachd  so  aice  ;  cha  do  sguir  a'  chorr-bhan 
a  bhi  tathaich  agus  a  neadachadh  anns  an 
t-seann  ionad. 

Chaidh  na  bliadhnaichean  thairis  air  Conrad 
an  tigh  na  daorsa  le  ceuman  troma  mall,  agus 
bha  a  dhoehas  a'  sior  f  hannachadh  nach  faiceadh 
e  dachaidh  oige  am  feasd. 

Seann  charaid  oige 

Ach  la  dhe  na  laithean,  an  am  anEarraich, 
de  chunnaic  e  ach  corr  ag  itealaich  dliith  dha, 
agus  ag  cur  'n  a  chuimhne  tir  Lochlainn  agus 
tigh  a  mhathar.  Rinn  e  fead  ris  an  eun ;  thainig 
i  thuige,  agus  c6  bha  an  sin  ach  seann  charaid 
oige.  Gun  dail  thuig  e  gu  'n  robh  a'  chorr  air 
an  t-slighe  gu  diithaich  oige,  agus  dh'  amais 
e  air  seol  gus  a  chor  agus  ionad-comhnuidh 
fhoillseachadh.  Sgriobh  e  litir  bheag  air 
crioman  paipeir  agus  cheangail  e  i  gu  daingean 


ri  cas  an  coin,  ag  innseadh  far  an  robh  e  am 
braighdeanas. 

Thainig  an  t-Earrach  agus  a'  chorr  'na  lorg 
gu  dachaidh  Chonrad,  agus  mar  a  b  abhaist 
dh'  fhailtich  a'  bhantrach  i.  Chunnaic  i  an 
litir  ;  dh'  fhuasgail  i  i  bho  chas  an  eoin,  agus  a 
cridhe  a'  lasadh  le  solas,  chaidh  i  lom  is  direach 
far  an  robh  am  ministear  air  son  comhairle. 
'Se  thachair  gu'n  robh  Conrad  mu  dheireadh 
air  a  shaoradh  agus  air  aiseag  gu  mhathair, 
agus  bha  dealbh  na  corra  a  b'  e  meadhoin  a 
shaorsa,  le  iarrtus  muinntir  a'  bhaile,  air  a  shnas- 
ghearradh  air  fiodh  balla  na  h-eaglais,  mar 
chuimhneachan  air  an  deagh  sgeul  a  thug  an 
t-eun  beannaichte  fo  a  sgiathan  a  tir  chein. 

Sgeul  na  saorsa 

Nach  faod  sinne  bho  an  sgeul  laghaich  so 
samhladh  feumail  a  tharruing  !  Mar  a  dhriiidh 
an  naidheachdso  a  duthaich  cein  air  cridheachan 
nan  Lochlannach,  nach  bu  chubhaidh  gu'm 
biodh  sgeul  na  saorsa,  a  thainig  bho  throcair 
Dhe  le  losa  Criosd,  a  ghairm  saorsa  do  na 
braighdean  agus  bliadhna  thaitneach  an  Tigh- 
earna  dhoibhsan  a  bha  an  dorchadas,  a'  lionadh 
ar  cridheachan  le  gairdeachas  agus  le  moladh 
do  an  Ti  is  airde  air  son  a  mhaitheis,  agus  a 
bhearta  iongantach  do  chlann  nan  daoine. 


Abraham  agus  an  Coigreach 

NiALL  Mac-an-Tuairneie,  F.R.H.S.,  Loch  Portain,  an  Uidhist  a  Tuath 


THA  Dia  'n  a  fhacal  naomh  a'  sparradh  oirnn 
maith  a  dheanamh  a  reir  ar  comais  do  na 
h-uile  dhaoine.  Tha  Pol  a'  labhairt  gu  ro 
shoilleir  air  an  dleasdanas  so,  far  a  bheil  e  a' 
comhairleachadh  nan  uile,  ag  radh  :  "  Ma 
dh'fheudas  e  bhi,  mheud  's  a  tha  e  'n  comas 
duibh  bithibh  an  sith  ris  na  h-uile  dhaoinibh. 
Na  iocaibh  olc  air  son  uilc  do  dhuine  sam  bith. 
Uime  sin,  ma  bhios  do  namhaid  ocrach  thoir 
biadh  dha  ;  ma  bhios  e  iotmhor  thoir  deoch 
dha." 

Tha  Criosd  fein  ag  aithneadh  dhuinn  ar 
naimhdean  a  ghradhachadh,  ag  radh  :  "  Biodh 
gradh  agaibh  do  ur  naimhdean,  beannaichibh 
an  dream  a  mhallaicheas  sibh,  deanaibh  maith 
do  na  daoinibh  air  am  beag  sibh,  agus 
deanaibh  iirnuigh  air  son  na  muinntir  a  ta 
buntuinn  ruibh  gu  naimhdeil  agus  a  ta  'g  ar 
geur-leanmhuinn."     (Mata  v.  44) 

lochd  agus  trocair 
Feumaidh  am  fior  Chriosduidh  iochd  agus 
trocair  a  nochdadh,  chan  e  mhain  d'a  chairdean 
agus  d'a  luchd-eolais  fein,  ach  mar  an  ceudna 
do'n  choigreach  an  uair  a  thig  e  'na  rathad. 
Tha  Maois  a'  deanamh  so  soilleir  an  uair  a  tha 
e  ag  radh 


Ma  dh'  f  hasas  do  bhrathair  bochd, 


agus  gu'n  teid  e  dheigh-laimh  agad,  an  sin 
fuasglaidh  tu  air  :  seadh,  ged  is  coigreach,  no 
fear-cuairt  e  ;  agus  bithidh  e  beo  maille  riut  " 
(Lebh.  XXV.  35).  Air  an  laimh  eile  chan  f  heud 
muinntir  a  bhi  deas  gu  coire  fhaotuinn  do  aon 
a  cheile,  agus  gus  a  bhi  'toirt  breith  air  aon  a 
cheile  ;  oir  buinidh  dioghaltas  do'n  Tighearna 
Dia.  "  Na  tugaibh  breith  chum  nach  toirear 
breith  oirbh  :  oir  a  reir  na  breith  a  bheir  sibh 
bheirear  breith  oirbh  :  agus  leis  an  tomhas  le'n 
tomhais  sibh,  tomhaisear  dhuibh  a  ris."  (Mata 
vii.  2.) 

Naidheaclid  Franklin 

Bha  an  duine  foghluimte  agus  innleachdach 
sin,  Franklin,  a'  comhradh  aig  am  araidh  ri 
caraid  mu'n  an-iochd,  agus  mu'n  gheur-lean- 
mhuinn  a  bha  cho  trie  'n  am  measg-san  a  bha 
ag  aideachadh  creidimh  Chriosd,  agus  mu'n 
mhasladh  a  bha  iad  a'  cur  air  a  chreideamh  le  'n 
giixlan  fein.  Dh'  aidich  an  caraid  gu'n  robh  na 
briathran  aig  Franklin  ro  fhior. 

"  Tha  iad  sin  gun  teagamh,"  arsa  Franklin, 
"  mar  a  ta  sgeul  Abrahaim  agus  an  duine  bochd 
a'  dearbhadh." 

"  Chan  'eil  beachd  agam  air  an  sgeul  sin," 
deir  am  fear  eile,  "  aithris  dhomh  e." 

"  Ni  raise  sin,"  arsa  Franklin,  's  e  a'  fosgladh 


ABRAHAM  AGUS  AN  COIGREACH— A^  DOL  DO  THIGH  DHE 


leabhar  cosmhuil  ri  Biobull,  as  an  do  leugh  e  an 
sgeul  a  leanas  :  "  Agus  tharladh  an  deidh  nan 
nithe  sin,  gu'n  robh  Abraham  'n  a  shuidhe  an 
dorus  a  bhutha,  aig  dol  fodha  na  greine. 
Agus  feuch,  bha  duine,  air  cromadh  le  aois,  a' 
teachd  a  nlos  as  an  fhasach,  agus  e  a'  leigeadh 
a  chudthrom  air  bata.  Dh'  eirich  Abraham 
agus  chomhlaich  se  e,  agus  thubhairt  e  ris, 
"  Teann  a  steach,  guidheam  ort,  do  thigh  do 
sheirbhisich,  agus  ionnlaid  do  chosan,  agus  fan 
re  na  h-oidhche,  agus  eiridh  tu  gu  moch  's  a' 
mhaduinn  agus  theid  thu  air  do  thurus." 

Aoradh  do  Dhia 

Ach  thubhairt  an  duine.  "  Ni  h-eadh,  ach 
fanaidh  mi  fuidh  'n  chraoibh  so  re  na  h- 
oidhche."  Agus  cho-eignich  Abraham  e,  agus 
thionndaidh  e  d  'a  ionnsuidh,  agus  chaidh  iad  le 
cheile  a  steach  do  'n  bhiith  ;  agus  dheasaich 
Abraham  aran  neo-ghoirtiehte,  agus  dh'ith  iad. 
An  uair  a  chunnaic  Abraham  nach  do  bheann- 
aich  an  duine  Dia,  thubhairt  e  ris,  "  Car  son 
nach  'eil  thu  deanamh  aoraidh  do  'n  Dia  as 
airde,  Cruithfhear  neimh  agus  na  talmhainn  ?  " 
Fhreagair  an  duine,  agus  thubhairt  e,  "  Cha 
dean  mise  aoradh  do  d'  Dhia-sa,  ni  mo  a  ghair- 
meas  mi  air  ainm  ;  oir  rinn  mi  dhomh  fein  Dia 
a  ta  a'  fantuinn  a  ghnath  am  thigh,  agus  ag 
ullachadh  nan  uile  nithean  air  mo  shon." 

Las  corruich  Abrahaim  an  aghaidh  an  duine, 
agus  dh'eirich  e,  agus  bhuail  e  air,  agus  dh' 
fhuadaich  se  e  le  buillibh  do'n  fhasach.  Agus 
air  a'  mheadhon  -  oidhche  ghairm  Dia  air 
Abraham,  ag  radh,  "  Abrahaim,  c'ait'  abheil  an 
coigreach  ?  "  Fhreagair  Abraham,  agus  thubh- 
airt e,  "  A  Thighearna,  cha  deanadh  e  aoradh 
dhuit-sa,  ni  mo  a  ghairmeadh  e  air  t'  ainm  ; 


uime  sin  dh 'fhuadaich  mise  e  do'n  fhasach,  as 
mo  shealladh,  air  son  a  chionta." 

Foidhidinn  Dhe 

Agus  thubhairt  Dia,  "  An  do  ghiiilain  mise 
leis  ceud  agus  fichead,  agus  ochd  bliadhna  deug, 
agus  an  d'  altruim  mi  e,  agus  an  do  sgeadaich 
mi  e,  a  dh'  aindeoin  a  cheannairc  am  aghaidh  ; 
an  do  rinn  mi  ris  na  h'uile  ni  tha  sin  agus  nach 
b'urrainn  thusa  a  tha  'n  ad  pheacach  thu  fein, 
cur  suas  leis  re  aon  oidhche  ?  " 

Fhreagair  Abraham,  "  Na  lasadh  fearg  mo 
Thighearna  an  aghaidh  a  sheirbhisich  :  feuch 
pheacaich  mi,  maith  dhomh,  guidheam  ort,  a 
mhain  an  uair  so." 

An  sin  dh'  eirich  Abraham  agus  chaidh  e 
mach  do'n  fhasach,  agus  dh'iarr  e  gu  dichioU- 
ach  an  duine,  agus  fhuair  se  e,  's  thug  e  leis  e  a 
dh'  ionnsuidh  a  bhutha.  An  uair  a  bhuin  e  gu 
cairdeil  ris,  chuir  e  uaithe  e  's  a'  mhaduinn  le 
tiodhlacaibh. 

Agus  labhair  an  Tighearna  a  ris  ri  Abraham, 
ag  radh,  "  Air  son  do  chionta  anns  an  ni  so, 
bithidh  do  shliochd  fo  amhghar  re  cheithir 
cheud  bliadhna  ann  an  tir  choimhich,  ach  a 
chionn  's  gu'n  do  rinn  thu  aithreachas,  saoraidh 
mise  iad  ;  agus  thig  iad  a  mach  le  cumhachd, 
agus  le  gairdeachas  cridhe  agus  le  maoin 
mhoir." 

Dleasdanas  nan  uile 

Sin  agaibh  a  nis  an  sgeul  a  dh'aithris  an  duine 
urramach  sin,  Franklin,  agus  ged  nach  'eil  ann 
ach  cosamhlachd  a  rinn  e  suas  'n  a  inntinnn  fein, 
gidheadh  tha  e  ro  fhreagarrach  chum  a  dhean- 
amh  soilleir  gur  e  dleasdanas  nan  uile  iochd 
agus  trocair  a  nochdadh  do  aon  a  cheile  mar  a 
tha,  ach  beag,  air  a  sparradh  oirnn  air  gach 
taobh-duilleiff  de  'n  Fhacal  Naomh. 


A'  Dol  do  Thigh  Dhe 

(Air  a  leantuinn) 

Le  Iain  Mac  Calmain,  Missionahaidh  Chaol  Reithe,  anns  an  Eieean  Sgitheanach 

"  Coimhead  do  chas  an  uair  a  theid  thu  do  thigh  Dhe." — Ecclesiastes  v.  1. 


pUIMHNICHEAMAID  gu'm  bheil  naimh- 
v^dean  gu  furachar  mu'n  cuairt  dhuinn  eadhon 
ann  an  tigh  Dhe.  Tha  sin  soilleir  bho  chosamh- 
lachd  an  t-sioladair.  Tha  an  namhaid  a'  goid  air 
falbh  an  t-sil  a  bha  air  a  chur,  agus  sin  a  chionn 
nach  'eil  an  ti  a  chual  e  'g  a  thoirt  fainear.  B'e 
so  peacadh  Israeil,  agus  is  e  peacadh  moran 
fhathast.  Tha  ro-chiiram  an  t-saoghail  agus 
mealltaireachd  a'  bheartais  'n  an  naimhdean 
laidir.  Tha  naimhdean  's  an  taobh  a  stigh,  mar 
a  tha  feinealachd  agus  uaibhear  agus  moran 
eile,  oir  is  ann  o'n  taobh  a  stigh  a  tha  na  naimh- 
dean as|miosa.  Gidheadh  tha  e  comasach 
buaidh  fhaighinn  orra  am  muigh  agus  a  stigh 


trid-san  a  ghradhaich  sinn.  Bha  naimhdean  gu 
leoir  aig  Criosd  fhein,  ach  b 'ann  o'n  taobh  a 
mach.  "  Tha  uachdaran  an  t-saoghail  so  a' 
teachd  agus  chan  'eil  ni  air  bith  aige  annam-sa  " 
(EoiN  xiv.  30).  Ged  bha  E  air  a  bhuaireadh  anns 
na  h-uile  nithean  air  an  doigh  cheudna  ruinne 
bha  E  naomh,  neo-lochdach,  neo-thruailUdh,  air 
a  dhealachadh  o  pheacadh.  Air  an  aobhar  sin 
tha  E  uile-f  hoghainteach  agus  uile-f  hreagarrach 
gu  ar  comhnadh  an  uair  a  theid  sinn  a  dh 'aoradh 
dha  agus  gu  ar  dion  cuideachd  'n  ar  n-obair  's 
an  t-saoghal.  Chan  ann  a  mhain  air  la  na 
Sabaid  ann  an  aoradh  follaiseach  an  Tighearna 
a  tha  againn  ri  seirbhis  a  dheanamh  do  Dhia, 


6        A'  DOL  DO  THIGH  DHE—AN  T-OLLAMH  ALASDAIR  STIUBHARD 


ach  mai-  an  ceudna  'n  ar  n-obair  laitheil,  agus 
bu  choir  gu'm  biodh  spiorad  an  aoraidh  sin  agus 
na  seirbhis  sin  a  bha  sinn  a'  cuairteachadh  air  la 
na  Sabaid  'g  ar  leantuinn  troimh  an  t-seachduin. 
Mur  'eil  sin  mar  sin  is  e  luchd-eisdeachd  dear- 
madach  a  fhuaireadh  annainn.  "  Cha  robh 
tairbhe  dhoibh  anns  an  f  hocal  a  chaidh  a  shear- 
monachadh,  do  bhrigh  nach  robh  e  air  a 
mheasgadh  le  creidimh  anns  an  dream  a  chual 
e  "  (Eabh.  iv.  2). 

Droch  chuimhne 

Is  mor  a'  bhuaidh-ghlanaidh  agus  a'  bhuaidh- 
misneachaidh  a  tha  ann  an  eisdeachd  na  firinn 
ged  nach  giiilain  sinn  moran  leinn  as  urrainn 
dhuinn  innse  do  dhaoine  eile.  Bha  bean  anns 
a'  Ghaidhealtachd  uair  a  bha  gle  fhrithealtach 
air  meadhonan  nan  gras,  agus  air  Di-luain 
sonruichte  thainig  am  ministear  an  rathad  a  bha 
i,  agus  i  a'  glanadh  buntata  's  an  t-sruthan.  Arsa 
am  ministear,  "  Bha  sibh  's  an  eaglais  an  de." 
"  Bha,"  arsa  ise.  "  Gu  de  an  ceann-teagaisg  a 
bha  aig  a'  mhinisteir  ?  "  arsa  esan.  "  Chan  'eil 
cuimhne  agam,"  fhreagair  i.  "  Agus  am  bheil 
cuimhne  agaibh  air  a'  chaibideal  a  leugh  e  ?  " 


"  Gu  dearbh,"  ars'  ise,  "  chan  'eil ;  tha  mo 
chuimhne  cho  dona."  "  Gu  de  mar  sin  am 
feum  a  tha  e  deanamh  dhuibh  a  bhi  dol  do'n 
eaglais  idir  ?  "  thuirt  am  ministear.  Agus 
thubhairt  a'  bhean  mar  so  :  "  Am  bheil  sibh  a' 
faicinn  na  bascaid  so,  agus  am  buntata  ann 
salach  le  iiir.  Chan  'eil  uair  a  chuireas  mi  a' 
bhascaid  's  an  uisge  agus  a  chrathas  mi  i  nach 
'eil  am  buntata  a'  fas  na  's  glaine,  ach  chan'  eil 
deur  uisge  a'  fantuinn  innte.  Sin  am  feum  a 
tha  mise  toirt  as  an  eisdeachd,  ged  nach  urrainn 
mi  a  thaobh  mo  dhroch-chuimhne  dad  a  thoirt 
dhuibh  de  na  chuala  mi." 

Di-chuimhne  pheacach 

Tha  teagasg  agus  misneachadh  anns  an 
naidheachd  bheag  so,  ach  aig  a'  cheart  am 
thugamaid  an  aire  gu'm  bheil  di-chuimhne 
ann  a  tha  'n  a  pheacadh. 

"  Thigibh,  agus  rachamaid  suas  gu  shabh  an 
Tighearna,  gu  tigh  Dhe  lacoib  ;  agus  teagais- 
gidh  e  sinn  mu  a  shUghibh,  agus  imichidh  sinn 
'n  a  cheumaibh  "  (Isa.  ii.  3). 

"  Bha  aoibhneas  orm  trkth  thubhairt  iad, 
Gu  tigh  Dh6  th6id  sinn  suas." 


An  t-Ollamh  Alasdair  Stiubhard 


CHAN  ann  air  an  Eaglais  Shaoir  a  mhain  a 
thainig  call  mor  le  bas  an  duine  urramaich 
so  ach  air  aobhar  Chriosd  ann  an  Albainn  air  fad, 
oir  bha  Alasdair  Stiiibhard  'n  a  dhuine  anns  an 
robh  neart  agus  taic  mar f  hear-dion  a'  Chreidimh, 
Phrostanaich.  Ged  nach  b'  aithne  dhomh  e  gu 
pearsonta  agus  ged  nach  robh  seanchas  agam 
riamh  ris,  fhuair  mi  litir  bhuaith  uair  no  dha, 
agus  bha  meas  mor  agam  air  mar  dhiadhair 
agus  mar  sgriobhaiche,  agus  bu  mhaith  learn 
daonnan  na  thigeadh  o  laimh  a  leughadh. 

Bha  inntinn  laidir  shoilleir  aige  gu  nadurra, 
agus  choisrig  e  a  bhuadhan  uile  do  nithean  ard 
agus  uasal,  gun  a  bhi  a'  cosd  iiine  air  nithe 
beaga  no  suarrach.  Ged  a  chuir  e  seachad  a' 
cheud  chuid  d'a  bheatha  anns  an  eaglais  as 
cuimhne  an  Albainn,  agus  an  corr  d'a  bheatha 
anns  an  Eaglais  Shaoir  a  tha  gu  maith  teann  i 
fhein,  cha  b'  ann  air  mionnt,  no  anise,  no  cuimin, 
a  bha  aire  an  duine  mhaith  so  riamh,  ach  air 
nithe  cudthromach  an  lagha. 

Chan  aithne  dhomh  ciod  an  t-aite  a  bha  aige 
ann  an  Comhairle  na  h-Eaglaise  Saoire,  no  ann 
an  riaghladh  na  h-eaglais,  ach  bha  aite  dha  fein 
aige  innte  mar  dhiadhair  agus  mar  sgriobhaiche, 
oir  cha  robh  moran  ghuthan  eile  anns  an  Eaglais 
Shaoir  ris  an  eisdeadh  eaglaisean  eile  mar  a  dh' 
eisdeadh    iad    ri    guth    an    Ollaimh    Alasdair 


Stiiibhard.  Bha  tiir  agus  ghocas  agus  ciiiine  'n 
a  bheachdan  agus  'n  a  bhriathran  daonnan. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  maith,  agus  cho  treibh- 
dhireach  'n  a  inntinn  agus  'n  a  bhreithneachadh 
's  nach  gabhadh  e  cothrom  eadhon  air  diadh- 
airean  na  h-Eaglais  Phapanaich  'n  uair  a  bhith- 
eadh  e  a'  cur  'n  an  aghaidh.  Bha  e  cho  ceart 
agus  cho  uasal  ann  an  argumaideachadh  's  a  bha 
e  ann  an  doighean  eile. 

Bha  e  'n  a  f  hear-deasachaidh  air  Miosachan 
na  h-Eafflaise  Saoire  bho  shiubhail  Gilleasbuiff 
Mac  Neilage  an  1917,  is  bha  na  rudan  a  bhith- 
eadh  e  fein  a  sgriobhadh  furasda  gu  leor  an 
aithneachadh  ged  nach  robh  ainm  riu.  Air  a' 
cheud  da  dhuilleig  bha  e  'n  a  chleachdadh  aige 
a  bhi  a'  fosgladh  earrannan  de'n  BhiobuU,  agus 
bha  ealadhain  cho  maith  aige  air  sin  a  dheanamh 
's  gu  bheil  mi  an  dochas  gu'n  cruinnich  cuid- 
eigin  anns  an  Eaglais  Shaoir  na  searmoin  sin 
agus  gu'n  cuir  e  an  clodh  iad,  a  leigeil  fhaicinn 
do  mhinistearan  oga  na  h-Alba  ciamar  is  coir 
dhaibh  Facal  an  Tighearn  a  laimhseachadh. 

Chan  ann  de  mheur  bhig  .de'n  eaglais  a 
mhain  a  bhuineas  daoine  a  tha  'n  an  naoimh,  no 
'n  an  sgoilearan,  no  'n  an  diadhairean,  ach  do'n 
eaglais  Choitchinn  uile  ;  mar  sin  tha  iomadh 
duine  an  taobh  a  mach  de'n  Eaglais  Shaoir  a' 
caoidh  am  Ollaimh  Alastair  Stiubhard. 


AIG  AN  UINNETG 


Aig  an  Uinneig 


An  fheadhainn  nach  maireann 

("jHAN  'eil  am  bas  'n  a  thamh  ;  air  a'  mhios 
Ja  chaidh  seachad  thug  e  bhuainn  triiiir 
mhinistearanair  an  robh  cuiddeluchd-leughaidh 
nan  duilleagan  so  eolach,  seana  mhinisteai'an  a 
leig  dhiubh  an  dreuchd  ann  an  deireadh  an 
laithean.  An  diugh  ann  an  Eaglais  na  h-Alba 
tha  ministearan  a'  leigeil  dhiubh  an  dreuchd 
moran  na's  traithe  na  b'  Abhaist  dhaibh,  rud  a 
tha  glic  dhaibh  fein  agus  maith  do  choimh- 
thionailean.  Anns  na  seann  laithean  bha  e  'n 
'  a  chleaqhdadh  aig  ministearan  leantuinn  orra 
gus  an  tigeadh  a'  chrioch  orra,  co  dhiu  a  bha  iad 
comasach  air  an  obair  a  dheanamh  no  nach 
robh,  ach  tha  an  cleachdadh  so  ag  atharrachadh 
o  chionn  bhUadhnachan,  is  tha  a'  mhor-chuid  de 
mhinistearan  a'  leigeil  dhiubh  an  oibre  fada  m' 
an  eaill  iad  an  neart  no  am  meomhair. 

Gilleasbuig  I.  Mac  Neacail,  B.D. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  maith,  agus  o  theaghlach 
aig  an  robh  inntinnean  geura.  Tha  mi  an  dtiil 
gur  ann  am  Bod  a  rugadh  e,  ach  chuir  e  seachad 
a'  chuid  mhor  d'a  mhinistrealachd  anns  a' 
Ghaidhealtachd  ;  an  toiseach  an  Crombagh, 
agus  'n  a  dheidh  sin  am  Baile-chloichridh.  B' 
aithne  dhomh  Mghr  Mac  Neacail  gu  maith  ; 
duine  seaghail,  ciallach,  agus  ministear  sois- 
ffeulach.  Cha  robh  dad  idir  ann  de'n  aotramas 
no  de'n  chridhealas  a  tha  fasanta  an  diugh  ;  bha 
ni-eigin  de  throm-uallach  a  theachdaireachd  ri 
fhaicinn  'n  a  aodann,  agus  'na  choiseachd,  agus 
'n  a  uile  ghiiilan.  Ach  bha  meas  mor  aig  daoine 
air  ann  am  Baile-chloichridh,  agus  b'  airidh  e 
air.  Bha  da  aobhar  anns  an  robh  e  anabarrach 
dichiollach,  stuamachd  a  thaobh  dibhe  agus 
craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  anns  na  duth- 
channa  thall.  Bha  fear  d'a  bhraithrean  'n  a 
mhissionaraidh  ainmeil  anns  na  h-Innsibh  an 
Ear.  Thainig  am  bas  air  gu  h-obann  agus  e  'n 
a  shuidhe  air  maduinn  Sabaid  anns  an  eaglais 
an  Corstorphine,  far  an  robh  e  a'  fuireach. 

An  t-Urramach  Bhaltair  Calder,  M.A. 

Cha  robh  ministear  eile  an  Cleir  Dhtm- 
chaillinn  air  an  robh  barrachd  meas  againn  uile 
na  bha  againn  air  seana  Mhghr  Calder,  minis- 
tear  Labhair,  ged  nach  robh  e  fada  innte  an 
deidh  an  Aonaidh.  Ma  chuala  mi  riamh  e, 
chan  'eil  a  nis  cuimhne  agam  c'  aite  an  do 
rugadh  e,  no  c'  aite  uile  an  do  shaothraich  e, 
ach  tha  fhios  agam  gu'm  bu  Tuathach  e  a 
Cataibh,  agus  gu  robh  e  greis  ann  an  Srathaidh 
agus  greis  ann  an  Steornabhagh  m'  an  tainig  e 
do  Labhar,  aig  taobh  Loch  Tatha.  Bha  aileadh 
ciibhraidh  na  diadhaidheachd  'g  a  chuartachadh 
daonnan,     diadhaidheachd     anns     nach     robh 


cimihannachd  no  fein-fhireantachd.  Bha  e  'n  a 
dhuine  laghach  seanchasail  a  b'  fhiach  dol  'n 
a  chomhradh  an  uair  a  bhiodh  uine  aige  tois- 
eachadh  air  bruidhinn  air  na  daoine  a  b'  aithne 
dha,  agus  air  na  nithean  a  chunnaic  no  chual  e 
ann  an  laithean  oige.  Bha  e  'n  a  shearmonaiche 
maith  anns  an  t-seann  doigh  ;  b'  aithne  dha  am 
bainne  agus  a'  mhil  a  tha  ann  am  Facal  an 
Tighearn  a  thoirt  as  do  dhaoine  eile,  agus  ged 
nach  cuala  mi  riamh  e  aig  comanachadh  bha  e 
de'n  t-seorsa  a  bu  mhaith  leam  a  chluinntinn  air 
Sabaid  comanachaidh,  oir  bha  a  shearmoin  Ian 
de'n  Sgriobtur  agus  b'  aithne  dha  aon  Sgriobtur 
a  cheangal  ri  Sgriobtur  eile  ann  an  doigh  nach 
smuainicheadh  daoine  eile  air,  agus  sin  uile  gun 
a  bhi  a'  fiaradh  nan  Sgriobturan.  Duine  glic 
agus  duine  coir  a  rinn  obair  a  mhaireas,  gun 
othail  no  cabhag,  ann  an  sith  ri  choimhearsnaich 
agus  ann  an  deagh-ghean  aig  na  h-uile  dhaoine 
eadar  Cill-Fhinn  agus  Obar-Pheallaidh. 

Chuir  e  seachad  feasgar  a  laithean  ann  an 
tigha  mhic  a  tha  'n  a mhinistear  ann  an  Strichen, 
an  Obar-eadhain,  ach  thugadh  a  chorp  air  ais  gu 
Labhar. 

An  t-Urramach  Ruairidh  Mac  Coinnich 

Bhuineadh  e  do  Thaobh  Shiar  Siorramachd 
Rois  ;  bha  e  naoi  bliadhna  'n  a  mhinistear  anns 
an  Eilean  Sgitheanach  m'  an  deachaidh  e  do 
Bhogha  Mor,  an  He,  an  1911,  far  an  do  chuir  e 
seachad  an  corr  d'a  laithean.  Bha  e  simplidh 
treibhdhireach  'n  a  dhoighean,  dichiollach  'n  a 
obair,  agus  faiceallach  'na  chainnt  agus  'n  a 
ghiulan.  Chuala  mi  e  a'  searmonachadh  an 
GaidhUg  agus  am  Beurla ;  searmonaiche  diirach- 
dach  a  gheibhteadh  bias  na  GaidhUg  agus  bias 
an  teagaisg  a  fhuair  e  bho  aithrichean  Rois  air 
a  shearmonachadh.  Bha  e  'n  a  dhuine  coibhneil 
agus  'n  a  dhuine  iriosal.  Bhris  air  a  shlainte 
o  chionn  coig  no  sia  bhliadhnachan,  is  b'  fheudar 
dha  a  dhreuchd  a  leigeil  dheth.  Bha  meas  aig 
muinntir  lie  air  ann  an  gradh  air  son  'oibre  agus 
a  shiochalachd. 

L  H.  M.  Mac  Coinnich,  O.B.E.,  Fear  Chal- 
gairidh 

Ged  a  bha  Mghr  Mac  Coinnich  ceithir  fichead 
's  a  h-ochd  chan  'eil  ach  iiine  bheag  bho  leig  e 
dheth  lamh  a  bhi  aige  ann  an  gnothuichean  an 
t-saoghail  so.  Bha  e  'n  a  fhoirbheach  ann  an 
Eaglais  na  h-Alba  fad  iomadh  bliadhna,  an 
coimhthional  Chill  Naoinein,  am  Muile,  is  bha 
Cleir  Mhuile  gu  maith  trie  'g  a  thaghadh  mar 
aon  de  na  foirbhich  a  bhiodh  i  a'  cur  a  dh'  ionn- 
suidh  an  Ard  Sheanaidh.  Tha  mi  an  diiil  nach 
do  labhair  e  riamh  anns  an  t-Seanadh,  ach 
bithidh  fear  d'a  mhic  a'  bruidhinn  ann. 

Bha  e  'n  a  fhear-diithcha  maith  agus   'n  a 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


dhuine  ceart  ;  a'  cur  seachad  a  laithean  a' 
sealltuinn  as  deidh  na  h-oighreachd  aige  fhein, 
a'  riaghladaireachd  air  cuirtean-comhairle  ann 
am  Muile  agus  an  Siorramachd  Earra  Ghaidheal, 
agus  ag  arach  ghearran.  Bha  e  'n  a  mharcaiche 
maith,  agus  bu  cho  maith  leis  a  bhi  anns  an 
diollaid  ri  bhi  'n  a  chadal.  Chan  'eil  ro  fhada 
bho  chaidh  e  a  h-uile  ceum  o  Chaol  Muile  gu 
lonar-nis  a'  marcachd  air  fear  de  na  gearrain 
Ghaidhealach  aige  fhein. 

Bha  eich  mhaith  ann  am  Muile  riamh,  ach 
chaidh  ainm  nan  gearran  Gaidhealach  a  thog 
Mac  Coinnich  ann  an  Calgairidh  air  feadh  an 
domhain  uile  ;  bha  feadhainn  dhiubh  air  an 
ceannach  a  dhol  do  Astralia,  do  America,  agus 
do  Africa.  Co  riamh  a  chunnaic  an  t-each  ris  an 
abairteadh  An  Sgeir  Mhbr  nach  bitheadh  uasal 
as  fhein  na'm  bu  leis  e  !  Am  measg  nan  daoine 
eile  aig  an  robh  an  t-each  sin  bha  e  aig  Righ- 
rean,  ach  cha  bu  rioghail  is  cha  b'  uasal  a' 
chrioch  gus  an  tainig  e  oir  bha  e  air  a  reic  ann 
am  Peairt  'n  a  sheann  aois  air  son  fichead  punnd 
Sasunnach,  no  rud  suarrach  mar  sin.  Na'm  bu 
leam-sa  e  shaoilinn  gu'm  bu  ghniomh  leibideach 
a  reic  idir,  oir  b'  airidh  e  air  crioch  a  b'  uaisle. 

A'  mineachadh  nan  Sgriobturan 

Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  mi 
a'  bruidhinn  air  mar  a  bhitheadh  na  Seann 
Aithrichean  a'  mineachadh  nan  Sgriobturan, 
ach  cha  d'  fhuair  mi  mo  sheanchas  a  chriochna- 
chadh.  So  mar  a  bhitheadh  an  Naomh 
Augustine  a'  mineachadh  a'  chosmhalachd 
a  labhair  Criosd  mu'n  duine  a  chaidh  sios 
bho  Jerusalem  gu  lericho.  Tha  e  ag  radh 
gu'm  b'e  an  duine,  Adhamh  ;  gu'm  b'e  Jeru- 
salem, am  baile  neavihaidh  ;  lericho,  a  ghealach 
(a  chuireas  'n  ar  cuimhne  ar  basmhorachd  a 
chionn  gu  bheil  i  a'  fas,  agus  a'  dol  air  a  h-ais, 
agus  a'  dol  as  an  t-sealladh)  ;  tha  na  meirUch 
a'  ciallachadh  an  deamhan  agus  'amglean  ;  an 
sagart  agus  an  Lebhitheach,  sagartachd  agus 
ministrealachd  an  t-Seann  Tiom?iaidh  anns  nach 
robh  cumhachd  tearnaidh  ;  an  oladh,  comhfhur- 
tachd  an  dbchais  ;  ara  fion,  hrosnuchadh  gu  bhi 
ag  obair  gu  diirachdach  ;  ah  t-ainmhidh  air 
an  do  chuireadh  e,  an  fhebil  anns  an  robh 
Criosd  air  fhoillseachadh  ;  an  tigh-osda,  an 
eaglais  ;   fear  an  tigh-osda,  an  t-abstol  Pol. 


Sin  an  doigh  air  am  bitheadh  Augustine  a' 
mineachadh  nan  sgriobturan,  is  tha  gaol  aig 
moran  dhaoine  an  diugh  fhathast  air  searmon- 
achadh  a  tha  leantuinn  na  doighe  so.  Ma  tha 
inntinn  bheo  agus  mac-meanmain  laidir  aig 
searmonaiche  de  'n  t-seorsa  so  chan  'eil  teagamh 
nach  ctim  e  daoine  'n  an  diisgadh,  oir  bheir  e 
nithean  nuadh  agus  neonach  a  Facal  Dhe,  ach 
air  a  shon  sin  cha  bhi  anns  na  nithean  a  tha  e 
a'  tarruing  as  ach  a  chuid  fein.  Chan  e  an 
Spiorad  Naomh  a  tha  labhairt  ach  mac- 
meanmain  an  duine. 

A  thaobh  mineachadh  nan  sgriobturan  tha  an 
riaghailt  so  ceart  agus  cothromach,  "  Ma 
ghabhas  earrann  air  bith  de  'n  BhiobuU  tuig- . 
sinn  gu  litireil  gabh  i  gu  litireil;  mar  is  fhaide 
a  dh'  fhalbhas  tu  bhuaith  sin  is  ann  is  docha  thu 
a  bhi  cearr." 

An  t-Ollamh  Ro  Urramach 

Gu  litireil  agus  gu  laghail  buinidh  an  tiotal 
so  do  Mhoderators  a  mhain,  ach  an  sud  agus 
an  so  anns  an  eaglais  tha  ministearan  d'  am 
buin  e  le  coir  nadurra  agus  le  coir  spioradail ; 
air  a  thoirt  dhaibh  gu  h-aon-sgeulach  le  guth 
am  braithrean.  Tha  fichead  bliadhna  agus  an 
corr  bho  thoisich  a  bhraithrean  uile  anns  na 
Cleirean  Gaidhealach  air  sealltuinn  ri  Domh- 
null  Domhnullach,  an  Uidhist  a  Tuath,  mar 
bha  na  ceud  chreidmhich  a'  sealltuinn  air  an 
abstol  Eoin,  a'  toirt  urraim  dha  air  son  'aois, 
agus  a  dhiadhaidheachd,  agus  a'  ghraidh  a  tha 
lasadh  'na  aodann  agus  'n  a  mhinistrealachd. 
Uile  laithean  a  mhinistrealachd  tha  fhianuis 
agus  a  sholus  spioradail  a'  dealrachadh  cho 
soilleir  ann  an  Uidhist  's  a  tha  Heisgeir  a' 
dealradh  air  a'  Chuan  Sgith. 

Bho  chionn  ghoirid  chriochnaich  e  leth-eheud 
bliadhna  ann  an  obair  na  ministrealachd,  is 
thug  a'  choimhthional  agus  a  chairdean  tabhar- 
tas-buidheachais  agus  tabhartas-graidh  dha  'n 
a  sheann  aois,  gus  an  gaol  agus  an  t-urram  a 
tha  aca  dha  a  nochdadh. 

Tha  iomadh  ministear  maith  agus  ministear 
dileas  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns  na 
h-Eileanan,  ach  tha  Maighstir  Domhnull,  mar 
their  sinn  uile  ris,  ionmhuinn  agus  urramach 
OS  cionn  chaich.  Gu  ma  fada  a  dhealraicheas 
a  '  sholus  coibhneil.' 


Grks  Dhe  do'n  Rlgh 


FAILT,  mile  failt  do'n  righ  ; 
Slainte,  deagh  shlaint  do'n  righ ; 
Gras  Dhe  do'n  righ  ! 
Criin  thus'  e,  Dhe,  le  gloir ; 
Criin  e  le  gradh  a  shloigh, 
Guidhe  ar  cridh  's  ar  beoil, 
Deagh  shlaint  do'n  righ  ! 


Tiodhlacan  maith  do  stoir, 
Gu  fialaidh  saoibhir  doirt 

Air  ceann  an  righ 
Gu'n  dion  e  lagh  's  gach  teinn, 
Rath  f  ior  gum  bi  ri  linn  ; 
A  shloigh  gu  sior  gu'n  seinn  : 

Deagh  shlaint  do'n  righ  ! 


Aireamh  6 


^M 


937 


Mu  Aithreachas 


Leis  an  Ollamh  Raibeart  Blaih,  nach  maireann,  a  bha  an  Eaglais  Chaluim-Cille,  an  Glaschu 


Ciod  e  aithreachas 

I.  rpHA  e  ceart  gu'm  bitheadh  a'  cheist  so 
-L  air  a  cur  agus  air  a  freagairt,  oir  is  e 
aon  de  chlacha-steidhe  a'  Chreidimh  Chriosduidh 
gu  bheil  feum  aig  peacaich  air  aithreachas  a 
dheanamh.  Agus  is  e  aon  eile  de  chlacha- 
steidhe  a'  Chreidimh  Chriosduidh  gur  peacaich 
sinn  uile  am  fianuis  Dhe.  Mar  sin  tha  feum 
againn  uile  air  aithreachas  a  dheanamh.  Sin 
ceud  ghairm  an  t-soisgeil.  An  uair  a  thoisich 
Eoin  a'  Bhaistidh  air  sUghe  an  Tighearn  a 
reiteachadh  agus  a  dheanamh  direach  thubhairt 
e  ris  an  t-sluagh,  "  Deanaibh  aithreachas  oir 
tha  rioghachd  Dhe  am  fagus."  Thubhairt 
Criosd  a'  cheart  ni  an  uair  a  thoisidh  e  fein  air 
an  t-soisgeul  a  shearmonachadh.  "  Thainig 
mise,"  ars'  esan,  "  a  ghairm,  chan  e  nam  firean 
ach  nam  peacach  a  chum  aithreachais."  B' 
ann  mu  aithreachas  a  labhair  Peadar  anns  a' 
cheud  shearmon  a  shearmonaich  e  an  deidh 
dha  a  bhi  air  a  lionadh  leis  an  Spiorad  air  la  na 
Caingis.  "  Deanaibh  aithreachas,"  ars'  esan, 
"  agus  bithibh  air  bhur  baisteadh  gach  aon 
agaibh  ann  an  ainm  losa  Criosd  chum  maith- 
eanas  pheacanna,  agus  gheibh  sibh  tiodhlac  an 
Spioraid  Naoimh.  Bha  an  teagasg  so  air  a 
shearmonachadh  leis  na  h-abstoil  anns  an  linn 
anns  an  robh  iad  beo,  agus  tha  an  teagasg  so  a 
cheart  cho  feumail  anns  an  linn  againne.  Ach 
ciod  e  aithreachas  ?  Chan  'eil  neach  air  bith  a 
tha  'g  am  eisdeachd  nach  'eil  a'  tuigsinn  gu 
maith  ciod  a  tha  air  a  chiallachadh  le  aithreachas 
ann  an  gnothuichean  cumanta  an  t-saoghail. 
Na'n  abrainn  gu  robh  aithreachas  orm  an  ni 
ud  no  an  ni  ud  eile  a  dheanamh,  thuigeadh 
iad  gu  robh  mi  duilich  gu'n  do  rinn  mi  iad. 
Ach  tha  tuilleadh  agus  sin  air  f  hilleadh  a  steach 
anns  an  fhacal  "  aithreachas  "  mar  tha  e  air  a 
ehleachdadh  anns  an  Tiomnadh  Nuadh. 

Tri  Ceuman 

Tha  e  air  fhilleadh  a  steach  ann  gu  bheil 
geur-mhothachadh  aig  an  aithreachan  air  pea- 
cadh  ;  tha  e  a'  faicinn  agus  a'  tuigsinn  a  chionta 
an  lathair  an  De  naoimh  ;  tha  e  ag  aideachadh 
gu'n  do  bhris  e  lagh  ceart  agus  cothromach  an 
Tighearn  ;  tha  e  mothachail  gur  e  a  pheacanna- 
sa  a  chuir  Criosd  gu  naire  agus  fulangas  a' 
chroinn-cheusaidh.  Is  e  so  daonnan  aidmheil 
an  aithreachain,  "  A'd  aghaidh,  a'd  aghaidh 
fein  a  mhain  pheacaich  mi  agus  rinn  mi  olc  a'd 
shealladh."  An  uair  a  tha  an  geur-mhothachadh 


so  air  oibreachadh  ann  an  anam  a'  pheacaich  le 
Spiorad  an  Tighearn,  is  e  sin  a'  cheud  cheum 
gu  fior  aithreachas.  Agus  is  e  an  ath  cheum 
sealladh  ceart  agus  tuigseach  air  maitheas  Dhe 
ann  an  losa  Criosd,  oir  an  uair  a  tha  am  peacach 
air  a  dhusgadh  gu  a  staid  chaillte  f  haicinn  ;  an 
uair  a  tha  e  tuigsinn  nach  'eil  e  a'  toilltinn  aon 
ni  aig  laimh  Dhe  ach  fearg  agus  corruich  ;  an 
uair  a  smaointicheas  e  e  air  a'  ghradh  a  thug  Dia 
do  shaoghal  caillte  ann  a  bhi  cur  aon-ghin  mhic 
a  shireadh  agus  a  thearnadh  pheacach  ;  an  uair 
a  chi  e  corruich  ceartais  Dhe  a  thoill  e  air  a 
dhortadh  a  mach  airsan  a  sheas  ann  an  aite  nan 
ciontach, — tha  e  air  a  lionadh  le  fuath  do'n 
ni  ghraineil  sin  a  thug  a  leithid  de  pheanas 
dhasan  a  bha  naomh  agus  iomlan  agus  deal- 
aichte  o  pheacadh.  Is  e  so  am  bron  diadhaidh 
a  dh'  oibricheas  aithreachas  a  chum  slainte  de 
nach  gabhar  aithreachas,  agus  is  e  am  bron  so 
an  treas  ceum  ann  am  fior  aithreachas.  An 
uair  a  ruigeas  an  t-anam  an  ceum  so  tha  e  a' 
cur  cul,  chan  ann  ri  aon  pheacadh  no  ri  aon 
droch  ehleachdadh  ach  ris  gach  uile  ni  nach  'eil 
a  reir  lagha  Dhe.  Is  e  cainnt  a  chridhe  a  nis, 
"  Trid  do  reachdan  fhuair  mi  tuigse  :  uime  sin 
is  fuathach  leam  gach  slighe  bhreugach," 

Fuath  do'n  pheacadh 

II.  Car  son  a  tha  aithreachas  feumail  ?  Chan 
ann  a  mhain  do  pheacaich  uamhasach  a  tha 
aithreachas  feumail  ach  do'n  h-uile  aon  de 
shliochd  Adhaimh.  Tha  e  cho  feumail  do'n 
neach  as  airde  anns  an  rioghachd  's  a  tha  e  do'n 
neach  as  isle  ;  do'n  fheallsanach  cho  maith  ris 
an  neach  a  tha  gun  f  hoghlum.  Tha  aithreachas 
feumail  do  bhrigh  nach  'eil  maitheanas  peacaidh 
ri  f  haotainn  as  eugmhais.  Chan  'eil  mi  ag  radh 
gu'n  glan  deoir  an  aithreachain  air  falbh  pea- 
cadh.  Cha  ghlan  oir  chan  'eil  ni  a  ni  sin  ach 
fuil  luachmhor  Chriosd.  Tha  an  Tighearn  a 
ghnath  deas  gu  maitheanas  a  thoirt  do'n  phea- 
cach, ach  is  maith  leis  gu'n  toir  e  fuath  do'n 
pheacadh  agus  gu'n  iarr  e  a  threigsinn. 

Tha  aithreachas  feumail  do  bhrigh  gu'm  feum 
an  t-ullachadh  a  tha  freagarrach  air  son  neimh 
a  bhi  air  a  dheanamh  anns  an  t-saoghal  so,  oir 
chan  'eil  atharrachadh  a'  tighinn  air  duine  air 
an  taobh  thall  de'n  uaigh.  Thubhairt  diadhair 
araidh  mu  thimchioll  an  ni  so,  "  Ged  bhitheadh 
e  comasach  do  dhuine  neo-iomchuidh  dol  do 
neamh  cha  bhitheadh  e  toiUchte  ann  agus 
leumadh  e  a  mach  thar  ballachan  neimh  oir 


2 


MU  AITHREACHAS— ANNS  A'  CHATHAIR 


bhitheadh  seirbhis  neimh  'n  a  h-uallach  dha." 
Gus  coslas  cumanta  a  ghnathachadh,  bhiodh 
peacach  neo-iompaichte  ann  an  neamh  mar  iasg 
as  an  uisge,  no  mar  eun  air  a  dhimadh  a  suas  ann 
an  eunadan.  Chan  fhaigheadh  e  ana-miannan 
briiideil  a  shasuchadh,  no  a  ruintean  mi-naomh 
a  choimhlionadh,  agus  air  an  aobhar  sin  bhith- 
eadh e  mi-shona.  Cha  bhiodh  cail  aige  do 
shonas  neimh  ;  cha  b'  urrainn  dha  seinn  maille 
ris  a'  mhuinntir  shaorta  oran  Mhaois  agus  an 
Uain. 

Trocair  Chriosd 

III.  Tha  misneach  air  a  thoirt  duinn  gu  aith- 
reachas  a  dheanamh.  Tha  e  'na  ni  eruaidh  do 
dhuine  na  cleachdannan  a  bha  aige  a  threigsinn, 
peacanna  d'an  tug  e  gradh  mar  a  lamh  no  shiiil. 
A  thuilleadh  air  sin  ni  namhaid  anama  gach  ni 
as  urrainn  e  gus  am  peacach  a  chumail  fo 
dhaorsa.  Tha  ni  eile  ann  a  tha  cumail  moran 
air  an  ais,  gu  sonraichte  muinntir  6g,  air  eagal 
gu'm  bi  an  companaich  a'  fochaid  orra.  Tha  na 
h-aobhair  so  agus  iomad  rud  eile  a'  cur  bacaidh 
air  moran  dhaoine  aithreachas  a  dheanamh, 
ach  bu  mhaith  leam  na  h-aobhaii'-mhisnich 
a  tha  againn  gu  aithreachas  a  dheanamh  a 
thoirt  fa'r  comhair. 

Is  e  a'  cheud  aobhar  a  dh'  ainmicheas  mi 
gu  bheil  Slanuighear  glormhor  trocaireach 
againn,  eadhon  an  Tighearn  losa  Criosd.  Tha 
mi  ag  ainmeachadh  so  an  toiseach  do  bhrigh 
agus  gur  e  so  a'  mhisneach  as  mo  as  urrainn  a 
bhi  againn,  gu  bheil  a  leithid  de  Shlanuighear 
air  ullachadh.  Ma  tha  anam  air  bith  a  lathair 
an  diugh  a  tha  an  iomcheist  theirinn  ris,  Seall 
air  Criosd,  neach  a  tha  comasach  air  tearnadh 
gus  a'  chuid  is  fhaide  a  mach.  Tha  an  neach  so 
an  diugh  ag  eigheach,  "  Thigibh  a'm'  ionnsuidh- 
sa  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair  agus  fo  throm 
uallach  agus  bheir  mise  suaimhneas  dhuibh." 
Is  ann  mu'n  t-Slanuighear  ghlormhor  so  a  tha 
e  sgriobhta  gu'n  tug  e  cumhachd  do'n  mheud 


agus  a  ghabh  ris  a  bhi  'n  an  cloinn  do  Dhia, 
eadhon  dhaibhsan  a  chreid  'n  a   ainm. 

Geallaidhean  a'  Bhiobuill 

Eisdibh  ris  na  geallaidhean  glormhor  a  tha 
ann  am  facal  Dhe  :  "  c6  air  bith  a  dh'  aidicheas 
agus  a  threigeas  a  pheacanna  gheibh  e  trocair." 
"  O  Israel,  sgrios  thusa  thu  fein  ach  annam-sa 
tha  do  chabhair."  "  Mar  is  beo  mi,"  deir  an 
Tighearna,  "  chan  'eil  tlachd  agam  ann  am  bas 
an  aingidh."  "  Tha  aoibhneas  air  neamh  air 
son  aon  pheacach  a  ni  aithreachas." 

Chan  'eil  an  sin  ach  beagan  de  na  geall- 
aidhean a  tha  'n  an  aobhair-mhisnich  do  aith- 
reachain.  Ach  O,  nach  leoir  iad,  a  chairdean, 
gus  misneach  a  thoirt  duinn  pilleadh  ris  an 
Tighearna  !  Ma  philleas  sibhse  le  aithreachas 
a  dh'  ionnsuidh  Dhe  gabhaidh  esan  ribh  a  cheart 
cho  cinnteach  's  a  ghabh  an  t-athair  caomh  ri 
mhac  a  bha  eas-umhail  agus  a  chaidh  air  falbh 
do'n  diithaich  chein. 

Dh'  fhaodainn  stad  aig  a  so,  oir  tha  a'  mhis- 
neach so  fein  laidir  gu  leoir,  ach  ceadaichibh 
dhomh  eisiomplair  no  dha  a  thoirt  far  comhair 
bho  eachdraidh  a'  Bhiobuill,  Daibhidh  agus 
Peadar,  daoine  a  bha  ciontach  de  pheacaidhean 
uamhasach  ach  a  fhuair  maitheanas  an  uair  a 
rinn  iad  aithreachas.  Car  son  a  chaidh  each- 
draidh iongantach  nan  daoine  sin  a  sgriobhadh 
ach  a  chum  misneach  a  thoirt  do  pheacaich  eile  ? 

O,  a  charaid,  smaointich  air  do  chunnart  mur 
treig  thu  do  pheacadh, — sgriosar  thu.  Thoir  an 
aire  nach  e  so  briathran  duine  :  is  e  Criosd  fein 
a  thubhairt  "  mur  dean  sibhse  aithreachas 
sgriosar  sibh  uile  mar  an  ceudna,"  agus  thubhairt 
e  iad  ann  an  coibhneas.  Falbh,  tha  mi  ag  radh 
riut,  agus  glaoidh  air  an  Tighearn  losa  an  diugh- 
fein  ;  imich  agus  doirt  do  chridhe  a  mach  'n  a 
lathair  ;  innis  dha  do  staid  agus  ciod  a  tha 
dhith  ort,  agus  eisdidh  esan  rint.  Bheir  e  dhuit 
a  ghras  agus  saoraidh  e  t'  anam. 


Anns  a'  Chathair 


MAR  is  fhearr  an  tiodhlac  a  thug  Dia  dhuinn 
is  ann  is  miosa  dhuinn  ma  tha  sinn  'g  a  chur 
gu  droch  bhuil.  Cha  b 'urrainn  Dia  tiodhlacan 
a  b'  fhearr  a  thoirt  dhuinn  na  thug  e  dhuinn  'n 
a  Fhacal  agus  'n  ar  Coguis.  Sin  an  da  reul-iuil 
as  cinntiche  do  luchd-turuis  anns  an  t-saoghal 
so. 

Ach  faodaidh  eadhon  Facal  Dhe  agus  an 
Coguis  fein  daoine  a  chur  air  seachran,  mur 
bheil  iad  'gan  cleachdadh  gu  cothromach,  no 
ma  tha  iad  a'  deanamh  iodhol  dhiubh.  Tha 
seorsa  dhaoine  ann  a  bhitheas  gle  thric  a' 
deanamh  uaill  as  an  duinealas  agus  an  seas- 
mhachd  fein;  daoine  tioram  laidir  aig  a  bheil 
cridheachan  eruaidh  agus  inntinnean  litireil,  a 


bhitheas  a'  boilich  nach  deachaidh  iadsan  riamh 
leth  an  oirlich  o  litir  an  lagha.  Tha  amharus 
aig  an  t-seorsa  so  nach  'eil  ann  an  daoine  eile 
aig  nach  'eil  uiread  suim  do  litir  an  lagha  ach 
buigileagan  gun  phrionnspal  a  tha  air  an  luas- 
gadh  a  null  's  a  nail  leis  a'  ghaoith,  agus  nach 
'eil  iad  cho  coguiseach  no  cho  dileas  do  Fhacal 
an  Tighearn  riu  fein.  Ach  ged  a  bhitheas  iad 
an  diiil  gu  bheil  iad  a'  seasamh  air  an  Fhirinn 
agus  air  an  Coguis,  an  da-rireadh  chan  'eil  iad 
ach  a'  seasamh  gu  danarra  air  am  beachdan 
fein. 

Bha  fear  de'n  t-seorsa  so  ann  anCille-sgumain, 
Seumas  Friseal,  leth-sheann  duine  a  thainig  as 
an    Taobh   Tuath,   a   bha   cho   fallan   anns   a' 


ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


Chreideamh  's  nach  robh  eaglais  ann  an  Cille- 
sgumain  anns  am  b'urrainn  e  suidhe  air  la  na 
Sabaid,  ged  bha  tri  ann.  Bha  organ  ann  an  te 
dhiubh,  Moderate  ann  an  te  eile,  agus  Baistich 
anns  an  treasa  te,  triiiir  a  bha  cho  neo-sgriob- 
turail  's  nach  leigeadh  a  choguis  leis  gnothuch 
a  bhi  aige  riu.  Mar  sin  bhitheadh  e  a'  cur 
seachad  na  Sabaid  'n  a  onrachd,  ag  aideachadh 
pheacanna  Chille-sgumain,  agus  a'  toirt  buidh- 
eachais  do  Dhia  nach  do  chrom  e  a  cheann 
riamh  ann  an  tigh  Rimoin. 

Bha  e  fein  agus  a  bhean  a'  fuireach  ann  an 
tigh  mor  farsuinn  a  bha  air  oir  a'  mhonaidh, 
seann  tigh-tuathanaich  anns  do  chuir  an  tuath- 
anach  an  ciobair,  a  chionn  gu'm  b'  fhearr 
leis  fein  a  bhi  fuireach  na  b'isle  anns  a'  ghleann, 
Bha  a  bhean  'n  a  boirionnach  meineil,  laghach, 
aig  nach  robh  coguis  cho  laidir  's  a  bha  aig 
Seumas,  ach  a  bha  fada  fada  na  bu  choibhneile. 
Ged  a  bhitheadh  i  a'  cluinntinn  Sheumais  a' 
bruidhinn  air  tigh  Rimoin  cha  robh  f  hios  aice  gu 
ceart  c6  a  bha  ann  an  Rimon,  no  ciod  an  t-olc  a 
bha  dol  air  aghaidh  'n  a  thigh. 

Aig  am  sonruichte  de  'n  bhliadhna  bhitheadh 
fear-paca  a'  tadhall  ann  an  Cille-sgumain,  a' 
reic  treathlaich  a  bha  aige  anns  a'  phaca  ; 
cirean,  is  snathadan,  is  prineachan,  is  speuc- 
lairean,  is  fichead  rud  eile  de'n  t-seorsa  sin. 
Am  measg  nan  tighean  eile  anns  am  bitheadh 
e  a'  tadhall  bhitheadh  e  a'  tadhall  air  bean 
Sheumais  Friseal,  agus  bhitheadh  i  a'  toirt  dha 
cupan  tea. 

Ach  la  de  na  laithean  chuala  Seumas  gur  e 
Papanach  a  bha  ann  am  fear-a'-phaca,  agus 
bu  leor  sin.  Thoirmisg  e  d'a  mhnaoi  a  leigeil 
a  steach  air  an  dorus,  is  thug  e  aithne  dhi  malairt 
air  bith  a  bhitheadh  i  a'  deanamh  ris  a  dheanamh 
air  a'  bhlar. 

"  Cha  bhiodh  e  siobhalta,"  arsa  Mairi,  "  gun 
an  duine  iarraidh  a  steach,  no  coibhneil  gun 
greim  bidh  a  thoirt  dha  an  deidh  dha  am 
bruthach  a  dhireadh  ;  chan  'eil  cron  ann  an 
aoigheachd  a  thoirt  do  choigreach  !  " 

"  Chan  e  coigreach  a  tha  ann  am  fear-a'- 
phaca,"  arsa  Seumas,  "  ach  Papanach,  dearg 
Phapanach  a  bhitheas  'ga  chroiseadh  fein  agus 
ag  iirnuigh  ris  an  Oigh  Muire  ;  nach  'eil  a' 
smuaineachadh  air  ifreann  la  deug  's  a'  bhlia- 
dhna ach  air  burgadoir,  agus  a  bhios  ag 
radh  ostail  ris  na  h-abstoil.  Dh'  fhaodadh 
breitheanas  an  Tighearna  tighinn  air  an  tigh 
againn  na'n  toireamaid  gniiis  do  ghisreagan 
nach  'eil  anns  a'  Bhiobull." 


Oidhche  stoirme  nach  fhacas  a  leithid  bho 
thuit  Drochaid  Tatha  bha  fear-a'-phaca  air  a' 
chuairt  an  Cille-sgumain.  An  airde  na  gaillinn 
rainig  e  an  dorus  aig  Seumas  Friseal,  an  dochas 
gu'm  faigheadh  e  fasgadh  agus  cuid  na  h-oidhche. 
Is  e  Seumas  fhein  a  dh'  fhosgail  an  dorus,  ach  a 


cheart  cho  luath  's  a  chunnaic  e  gur  e  am 
Papanach  a  bha  ann,  thraoigh  tobar  na  trocair 
'n  a  chorp,  chaidh  a  Choguis  air  a  ttir-faire,  is 
thainig  sgriobtur  an  deidh  sgriobtuir  gu 
chuimhne  mu'n  fhiadh-bheathach  a  bha  a' 
cogadh  an  aghaidh  an  Uain,  agus  mu'n  striop- 
aich  a  bha  air  a  sgeadachadh  ann  an  sgarlaid 
agus  cupan  oir  aice  na  laimh,  Ian  de  neoghloine 
agus  de  ghrainealachd.  Ach  bha  an  oidhche 
cho  fiadhaich  agus  suidheachadh  an  duine  cho 
truagh  's  gu  robh  Seumas  Friseal  am  impis 
geilleachdainn  d'a  athchuingean,  agus  a  leigeil 
a  steach,  an  uair  a  thainig  an  earrann  so  a  Litir 
an  abstoil  Eoin  'n  a  inntinn  mar  gu'n  tigeadh 
peilear  a  gunna,  "  Ge  b'  e  neach  nach  fan  ann 
an  teagasg  Chriosd  chan  'eil  Dia  aige  .  .  .  ma 
thig  neach  air  bith  do  'ur  n-ionnsuidh,  agus  nach 
toir  e  an  teagasg  so  leis,  na  gabhaibh  e  a  steach 
do  'ur  tigh,  agus  na  h-abraibh  ris,  Gu'n  soir- 
bhich  leat."  An  sin  chruadhaich  e  a  chridhe, 
is  dhiiin  e  an  dorus  gu  luath  air  sron  a'  Phapa- 
naich,  air  eagal  gu'n  leigeadh  e  le  faireach- 
duinean  a  chridhe  no  le  inne  a  throcair  buaidh 
fhaotainn  air  a  Choguis  agus  air  Facal  Dhe. 


Ged  bha  Seumas  Friseil  ag  radh  ris  fhein 
gu'n  do  rinn  e  an  ni  a  bha  ceart,  iimhlachd  a 
thoirt  do  Fhacal  Dhe  agus  d'a  Choguis,  cha 
robh  inntinn  aig  fois.  Cha  do  dhiiin  a  shiiil 
fad  na  h-oidhche  ;  an  drasd  dh'  eisdeadh  e  ri 
fuaim  na  gaillinn  is  chuimhnicheadh  e  air  an 
truaghan  a  bha  mach  fo  na  siantan,  ach  an  ath 
mhionaid  chuimhmcheadh  e  air  searmon  a  chual 
e  o  Mhac  Rath  Mor  air  a'  cheann-theagaisg, 
"  Thigibh  a  mach  as  am  meadhon  agus  dea- 
laichibh  riu,  tha  an  Tighearn  ag  radh,  agus  na 
beanaibh  ris  an  ni  neoghlan,"  agus  air  searmon 
eile  a  chual  e  air  Di-Luain  a'  Chomanachaidh 
ann  an  Gearr-loch,  "  Ma  chuireas  neach  air  bith 
ris  na  nithibh  so,  cuiridh  Dia  airsan  na  plaighean 
a  tha  sgriobhta  anns  an  leabhar  so  :  agus  ma 
bheir  neach  air  bith  bho  bhriathran  leabhar  na 
faidheadaireachd  so,  bheir  Dia  a  chuibhrionn-sa 
a  leabhar  na  beatha." 

Chan  e  mhain  nach  do  chaidil  e  fhein,  ach 
cha  do  leig  e  do  Mhairi  cadal  na's  mo  ;  fad  na 
h-oidhche  lean  e  air  sgriobturan  a  thoirt  a  mach 
as  a  chuimhne  a  bha  'ga  fhireanachadh  fhein, 
agus  a'  dearbhadh  dhi  nach  b'urrainn  e  mar 
chreidmheach  dileas  agus  coguiseach  rud  eile 
a  dheanamh  ach  mar  rinn  e.  B'  ann  an  Earra- 
Ghaidheal  a  rugadh  agus  a  thogadh  Mairi ;  mar 
sin  cha  robh  uiread  de'n  Bhiobull  aice  air  a 
meomhair  's  a  tha  aig  na  Tuathaich,  agus  cha 
b'urrainn  i  seasamh  ri  Seumas  ann  an  argumaid, 
ach  air  a  shon  sin  bha  i  cinnteach  gu  robh  e 
cearr  dha  an  duine  truagh  ud  a  chur  air  falbh 
o'n  dorus  agus  bha  duilichinn  agus  naire  oirre 
gu'n  do  rinn  e  e. 

"  Nach  'eil  Pol  ag  radh,"  ars'  esan,  "  gu  bheil 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


fearg  Dhe  a'  tighinn  air  cloinn  na  h-eas-timh- 
lachd,"  agus  ag  radh  cuideachd.  "  Na  bithibh-se 
uime  sin  'n  'ur  luchd-comh-phairt  riu.  An 
iarradh  tu  orm  dol  an  aghaidh  Phoil  ?  " 

"  Tha  mi  coma,"  arsa  Mairi,  "  gu  de  a  tha 
Pol  ag  radh,  ach  cha  chreid  mi  gu'n  duineadh 
Pol  an  dorus  air  Hottentot  no  air  creutair  beo 
eile  air  a  leithid  so  a  dh'  oidhche  ;  mur  bi  sinn 
trocaireach  agus  baigheil  ri  each  a  cheile,  agus 
mur  dean  sinn  ri  daoine  eile  mar  bu  mhaith 
leinn  iad  a  dheanamh  ruinn,  ciod  am  feum  a  tha 
ann  dhuinn  a  bhi  a'  creidsinn  anns  a'  Bhiobull 
idir  ?  Ged  nach  'eil  am  Biobull  agam-sa  air 
mo  theangaidh  mar  tha  e  agad-sa,  agus  ged 
nach  'eil  cuimhne  agam  air  na  h-earrannan  a 
tha  ag  iarraidh  oirnn  a  bhi  coibhneil  agus  blath 
ri  each  a  cheile,  tha  fhios  agam  gu  bheil  iad  ann, 
agus  ged  nach  bitheadh  iad  ann  idir,  tha  mo 
choguis  ag  innseadh  dhomh  gu  robh  e  cearr  cuid 
na  h-oidhche  a  dhiiiltadh  do'n  duine  thruagh." 

"  An  cuireadh  tu  do  choguis  nadurra  os  cionn 
Facal  an  Tighearn,  arsa  Seumas  ?  " 

"  Chan  'eil  mise  a'  cur  Facal  an  Tighearna 
sios  no  suas,"  ars'  ise,  "  agus  cha  mho  a  tha 
fhios  agam  ciod  a  tha  ann  an  coguis  nadurra, 
ach  CO  dhiu  bha  e  neo-nadurra  dhuit-sa  agus 
neo-Chriosdail  an  diol-deirce  a  thionndadh  air 
falbh  o'n  dorus  a  nochd." 


Ach  ged  bha  sgriobturan  a'  tighinn  gu  inntinn 
Sheumais  leis  an  robh  e  'g  a  fhireanachadh 
f  hein  thoisich  sgriobturan  eile  air  tighinn  thuige 
a  bha  'g  a  dheanamh  neo-shocrach  agus  mi- 
shona.  A  thuilleadh  air  sin  mhothaich  e  nach 
robh  a  Choguis  a'  seasamh  air  a  thaobh  cho 
laidir  'sab'  abhaist  dhi  ;  an  aite  a  mholadh  air 
son  iimhlachd  a  thoirt  do  Fhacal  an  Tighearn 
is  ann  a  thoisich  i  air  a  bhioradh  a  chionn 
gu'n  do  rinn  e  sin.     Mu  dheireadh  thainigr  an 


smuain  'n  a  chridhe  gu'm  b'  fhearr  leis  nach 
robh  an  earrann  ud  idir  ann  am  Facal  an 
Tighearn,  ach  an  ath  mhionaid  dh'  iarr  e 
maitheanas  air  Dia  air  son  smuain  cho  toibh- 
eumach  a  thighinn  'n  a  cheann.  A  dh'  aindeoin 
a  chridhe  thigeadh  dealbh  a'  Phapanaich,  a 
mach  anns  an  stoirm,  fa  chomhair  inntinn 
an  drasd  's  a  ris,  gus  mu  dheireadh  nach 
b'urrainn  e  fuireach  anns  an  leabaidh  na  b' 
fhaide.  An  uair  a  bha  e  a'  cur  uime  aodaich 
bhuail  an  t-eagal  'n  a  chridhe  nach  robh  e  riamh 
air  iompachadh,  agus  gur  ann  uime-san  a 
labhair  an  Salmadair  an  uair  a  thubhairt  e, 
"  Gearradh  e  as  a  chuimhne  o'n  talamh,  a  chionn 
nach  do  chuimhnich  e  trocair  a  nochdadh,  ach 
gu'n  do  gheur-lean  e  an  duine  bochd  agus 
uireasbhuidheach,  chum  a  mharbhadh." 


Am  beul  an  latha,  agus  an  tuUa  na  sine, 
chaidh  e  mach  agus  lainntear  'n  a  laimh  a 
dheanamh  iarraidh-bheo  no  iarraidh-mhairbh 
air  fear-a'-phaca,  ach  cha  do  leig  e  a  leas  dol 
fada  o'n  tigh,  oir  mu  dha  cheud  slat  o'n  dorus 
fhuair  e  an  duine  ann  an  cuithe  shneachd,  agus 
e  fuar  marbh.  Bha  a'  mhaduinn  cho  gabhaidh 
's  nach  b'urrainn  Mairi  dol  a  mach  as  an  tigh 
a  dh'  fheuchainn  am  faiceadh  i  Seumas,  ach  mu 
mheadhon-la  thainig  am  posta  air,  agus  e  'n  a 
ghurrach  air  uile  - bhall -  chrith  ri  taobh  a' 
mhairbh,  a'  seinn  na  sailm  so  air  fonn  Ballerina, 

Oir  dhearmad  e  bhi  trbcaireach, 

is  sharuich  e  am  bochd 
'S  an  t-ainnis,  chum  gu  marbhadh  e 

neach  'g  an  robh  cridhe  goirt. 

Mar  thug  e  toil  do  mhallachadh, 

mallaicht'  biodh  e  gach  la  ; 
Is  mar  nach  b'  aill  leis  beannachadh, 

na  h-6ireadh  beannachd  dha. 

Am  feasgar  sin  f  hein  thugadh  air  falbh  e  do 
Cheann-Loch-Gilb. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


ANNS  a'  mhaduinn  an  diugh  (a'  cheathramh 
-LJLla  de  Mhaigh)  chuala  mi  a'  chuthag  a'  cheud 
uair  am  bliadhna,  is  thog  mo  chridhe  ri  guth. 
Tha  a'  chuthag  'na  h-eun  sith,  a'  tighinn  agus 
a'  falbh  mar  a'  ghaoth,  gun  fhios  c'uin  a  thig  i 
gus  an  cluinnear  a  gug-oo.  Agus  c6  riamh  a 
chuala  gug-oo  na  cuthaige  gun  a  chridhe  a  thoirt 
leum  as,  gun  fhios  aige  car  son  ? 

Chan  'eil  eun  eile  anns  an  ealtainn  air  a  bheil 
sinn  cho  eolach  's  a  tha  sinn  air  a'  chuthaig,  ach 
aig  a'  cheart  am  cho  aineolach.  Chan  'eil 
duine  idir  do  nach  aithne  a  guth,  ach  tha  gu 
leoir  de  dhaoine  nach  fhaca  riamh  i,  oir  tha  i 
clis  agus  sitheil  'n  a  gluasad. 

Chan  e  binneas  a  gutha  a  tha  tarruing  aire 
dhaoine  gu  gairm  na  cuthaige,  ach  ni-eigin  eile 


nach  buin  idir  do  cheol  ;  an  seorsa  gairm  a 
tha  aice  agus  an  duil  a  tha  againn  rithe  aig 
am  sonruichte  de'n  bhliadhna.  Mar  eun-seinn 
chan  'eil  aice  ach  guth  tuchanach  gun  cheol 
gun  mhire  an  coimeas  ris  an  smeorach,  no  ris  an 
lon-dubh,  no  ris  an  uiseig.  Ach  air  a  shon  sin, 
ged  a  bhitheas  sinn  air  uairean  a'  cluinntinn 
an  smeoraich  agus  na  h-uiseig  gun  a  bhi  ag 
eisdeachd  riu,  a  cheart  cho  luath  's  a  ghlaodhas 
a'  chuthag  gug-oo,  leumaidh  ar  cridhe  agus 
theid  sinn  'n  ar  faireachadh,  mar  a  leum  cri- 
dheachan  nan  ludhach  ann  an  tir  na  daorsa  an 
uair  a  chual  iad  gu  robh  geamhradh  am  mi- 
shuaimhneis  a  nis  thairis  agus  la  na  saorsa  air 
teachd.  "  Cia  maiseach,"  ars'  iadsan,  "  air 
na  sleibhtean  casan  an  teachdaire  aoibhinn,  a 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


tha  ag  eigheach  sithe  ;  teachdaire  an  deagh 
sgeoil,  a  tha  ag  eigheach  slainte  ;  a  tha  ag  radh 
ri  Sion,  Is  e  do  Dhia  as  Righ  ann."  Is  e  rud- 
eigin  mar  sin  a  tha  a'  toirt  air  cridheachan 
dhaoine  leum  'n  an  uchd  a'  cheud  uair  a 
chluinneas  iad  a'  chuthag  a  h-uile  bhadhna. 

Ceist  dhuilich 

Ach  ged  b'  fhada  air  falbh  m'  inntinn-sa  bho 
na  nithean  so  anns  a'  mhaduinn  chuir  an  guth 
ud  mo  smuaintean  o  aon  rud  gu  rud  eile  gus 
mu  dheireadh  an  do  shocruich  iad  air  ceist  nach 
urrainn  mi  fhuasgladh,  agus  air  diomhaireach- 
dan  anns  a'  chruthachadh  nach  'eil  mi  a'  tuig- 
sinn.  Ged  tha  gairm  na  cuthaige  a'  toirt  uiread 
solais  agus  togail-cridhe  do  dhaoine  chan  eil 
innte  ach  droch  chreutair.  Theagamh  nach  bu 
choir  dhomh  sin  a  radh  mu  chreutair  air  bith 
a  rinn  Dia,  co-dhiu  creutairean  aig  nach  'eil  saor 
thoil  agus  nach  'eil  ach  a'  toirt  iimhlachd  do  na 
laghannan  a  chuir  Dia  'n  an  corp,  ach  is  e  a  tha 
mi  a'  ciallachadh  gu  bheil  doighean  aig  a' 
chuthaig  nach  'eil  idir  beusach,  no  uasal,  no 
ceart,  a  reir  ar  toimhsean-ne.  A  dh'  aon  rud 
cha  dean  i  nead  dhi  fhein  ;  cuiridh  i  an  t-ubh 
ann  an  nead  coin  eile,  is  leigidh  i  leis  an  eun  sin 
a  h-al  arach.  Air  doigh  air  chor-eigin  is  aithne 
dhi  na  h-eoin  a  fhreagras  na  h-uibhean  aice  air 
na  nid  aca,  is  gheibhear  an  t-ubh  aice  anns  an 
nead  aig  corr  agus  fichead  eun  eile  anns  an 
diithaich  so  fhein.  Theid  aice  cuideachd  air 
meudachd  agus  dath  a  h-uibhe  atharrachadh 
a  reir  na  nid  anns  a  bheil  i  dol  'g  a  chur,  rud 
neonach  da  rireadh.  Tha  an  aon  mheudachd 
agus  an  aon  dath  air  uibhean  nan  eun  eile 
daonnan  ;  geal,  no  gorm,  no  breac,  no  breac- 
ruadh,  no  dorcha,  air  chor  agus  gu  bheil  e 
furasda  gu  leor  an  aithneachadh  air  an  dath 
agus  air  am  meudachd.  Ach  chan  'eil  dath 
sonruichte  dha  fhein  air  ubh  na  cuthaige  ; 
faodaidh  e  a  bhi  dorcha  no  soilleir,  glas  no  geal 
no  gorm,  no  breac-ghlas  no  gorm-ghlas.  Air 
uairean  tha  i  a'  breith  an  uibhe  anns  an  nead 
choimhich,  a'  gabhail  cothroim  air  sin  a  dhea- 
namh  an  uair  nach  'eil  an  t-eun  eile  'na  laighe 
oirre,  ach  gle  thric  tha  i  a'  breith  an  uibhe  air 
an  lar  agus  an  sin  'g  a  thogail  'na  gob  agus  'ga 
chur  ann  an  nead  as  aithne  dhi,  nead  a  fhreagras 
air  a  thaobh  meudachd  agus  dath.  M'  an  stad 
i  de  bhreith  cuiridh  i  ubh  anns  na  nid  aig  ceithir 
no  coig  a  dh'  eoin  eile. 

Nadur  na  cuthaige 

Ach  tha  na's  miosa  na  sin  ri  innseadh  mu 
nadur  na  cuthaige  ;  an  uair  a  thig  a'  chuthag 
bg  a  mach  as  an  ubh  cuiridh  i  na  h-eoin  eile  a 
mach  as  an  nead  mar  nach  robh  coir  air  bith 
aca  a  bhi  innte,  is  bheir  i  air  a muime  frithealadh 
uile  gu  leir  dhi  fhein.  Chan  fhuiling  i  com- 
panaich  a  bhi  comhla  rithe  idir,  bigeanan  air 
bith  a  bha  air  an  toirt  a  mach  as  an  ubh  anns  an 


aon  nead  ri  bigean-cuthaig  chan  'eil  romhpa 
ach  am  bas,  agus  gle  bhitheanta  bas  eagallach  ; 
air  an  tilgeadh  gu  talamh  mar  gu'm  bitheadh 
duine  air  a  thilgeadh  bharr  stalla  creige  agus 
an  t-eanchainn  air  a  chur  as.  Sin  agad  an  t-olc 
a  ni  an  creutair  so  a  cheart  mhionaid  a  thig  i 
a  steach  do'n  t-saoghal  ;  lamhachas-laidir  agus 
brtiidealas  as  miosa  na  bhitheas  clann-daoine 
a'  deanamh  air  each  a  cheile.  Chan  e  mhain  gu 
bheil  an  t-olc  'n  a  fuil  gu  nadurra  ach  tha  a 
druim  agus  a  sgiathan  air  an  cumadh  gu  nadurra 
los  gu'n  teid  aice  air  na  h-eoin  eile  a  thogail  air 
a  gualainn  agus  an  tilgeadh  a  mach  as  an  nead 
mar  a  bhitheadh  Domhnull  Dinnie  a'  tilgeadh 
a'  chabair.  Co  a  chuir  na  h-innleachdan  so 
agus  an  t-olc  so  anns  an  t-seann  chuthaig  agus 
anns  a'  chuthaig  oig,  no  ciod  is  ciall  d'a  leithid 
so  a  bhi  ann  am  beatha  a'  chruthachaidh  ?  Ma 
their  thu  nach  'eil  ann  ach  instincts  a  tha  ann 
an  creutairean  aig  nach  'eil  ciall  no  coguis,  tur 
no  reuson,  chan  'eil  sin  ach  a'  seachnadh  ceist 
dhuihch.  Ciod  a  tha  ann  an  instinct  ach  lagh- 
annan diomhair  d'a  bheil  creutairean  a'  toirt 
iimhlachd  a  chionn  gu'm  feum  iad  am  beatha 
fhein  a  thearnadh,  agus  a  thearnadh  le  an 
luathas,  agus  an  cncadhas,  agus  an  laidireachd 
fein  ? 

Lagh  na  Coille 

Theagamh  gu  bheil  iomadh  lagh  eile  ag 
oibreachadh  am  measg  chreutairean  na  coille 
agus  na  machrach  nach  aithne  dhomhsa,  agus 
air  nach  do  smuainich  mi  rianih,  ach  tha  e 
furasda  gu  leor  fhaicinn  gu  bheil  a'  bheist  as 
motha  ag  itheadh  na  beiste  as  lugha,  agus  gu 
bheil  gach  creutair  'g  a  thoirt  fein  as  le  a 
luathas,  a  chruadhas,  agus  a  laidireachd  fein. 

Tha  suas  ri  coig  ceud  de  sheorsachan  figh- 
eadair  anns  an  diithaich  so,  ach  ged  is  ann  air 
maise  agus  innleachdas  am  beairtean  a  bhitheas 
sinne  a'  smuaineachadh,  chan  ann  a  nochdadh 
grinneas  a  shniomhaidh  a  tha  am  figheadair  a' 
deanamh  na  beairte  ach  a  bhreith  air  cuileagan 
agus  air  creutairean  eile  a  dh'  itheas  e.  Cha  leig 
e  a  leas  dol  do'n  sgoil  a  dh'  ionnsachadh  sniomh, 
no  leasan  a  ghabhail  o  fhigheadair  eile  ;  tha 
instinct  ag  innseadh  dha  ciod  is  coir  dha  a 
dheanamh,  agus  ciod  a  tha  instinct  a'  ciallachadh 
ach  an  t-eolas  a  thug  Dia  dha  'nuair  a  chruthaich 
e  e  ?  Theagamh  gur  ann  'n  a  aoraibh  a  tha  an 
t-eolas  sin  agus  nach  ann  'n  a  eanchainn,  ach 
nach  coma  c'  aite  a  bheil  e,  ma  tha  e  aige,  agus 
ma  thug  Dia  dha  e,  agus  ma  tha  Dia  toihchte  leis 
an  f  heum  a  tha  e  a'  deanamh  dheth  !  Tha  am 
figheadair  a'  cur  an  eolais  sin  a  thug  Dia  dha  gu 
buil  a  shaoileamaid  sinne  borb  agus  an-iochd- 
mhor  na'n  cluinneamaid  gu  robh  Hitler,  no 
Mussolini,  no  Franco,  a'  deanamh  nan  nithean 
a  bhitheas  esan  a'  deanamh.  Sniomhaidh  e  a 
lion  gu  luath  agus  gu  h-innleachdach  anns  an 
aite  anns  an  saoil  e  gu'n  glac  e  a'  chuileag,  agus 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— A  BHEIL  E  FIOR? 


an  sin  suidhidh  e  anns  an  oisean  gus  an  tuit 
gorag  anns  an  ribe.  Tha  am  figheadair  gaolach 
air  an  fheoil  a  dh'  itheas  e  a  bhi  iir  ;  an  uair  a 
ghlacas  e  cuileag,  ma  tha  feoil  gu  leor  aige  anns 
an  stor  cheana,  cha  dean  e  ach  teadhair  chinn- 
teach  a  chur  oirre  anns  an  lion  gus  am  bi  e 
freagarrach  dha  a  marbhadh  agus  a  h-itheadh. 

Comhstri  shiorruidh 

An  aite  e  bhi  fior  gur  e  mac  an  duine  an  aon 
chreutair  a  tha  olc  agus  an-iochdmhor,  no  a 
bhitheas  a'  deanamh  lamhachas-laidir  air  a 
bhrathair,  is  e  an  fhirinn  nach  'eil  ann  an 
comhstri  chloinn-daoine  ach  cogadh  suarrach 
an  coimeas  ri  deine  agus  an-iochdmhorachd  na 
comhstri  shiorruidh  a  tha  dol  air  aghaidh  am 
measg  chreutairean  na  coille  agus  na  mach- 
rach.  Anns  a'  chomhstri  sin  tha  gach  creutair 
'g  a  thoirt  fein  as  le  a  luathas,  agus  a  chruadhas, 
agus  a  laidireachd  fein,  agus  is  e  Dia  a  chuir  'n 
a  aoraibh  an  t-eolas  sin  leis  a  bheil  e  'g  a  thoirt 
fein  as.  Am  faodaT  so  a  ghabhail  mar  chuid 
de  'n  fhoillseachadh  a  tha  Dia  a'  deanamh  air 
fein,  air  a  thoil,  agus  air  a  nadur,  agus  air  a 
rixintean,  agus  air  a'  chrich  araidh  a  tha  aige 
anns  an  t-sealladh  mar  Fhear-riaghlaidh  an 
t-saoghail  ? 

Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  am  foillseachadh 
a  gheibhear  air  Dia  anns  a'  Bhiobull  agus  am 


foillseachadh  a  tha  e  a'  deanamh  air  fein  ann 
am  beatha  agus  ann  an  oibreachadh  a'  chruth- 
achaidh  ?  Sin  ceist  a  bhitheas  daonnan  beo. 
Ma  their  thu  nach  'eil  an  da  fhoillseachadh  sin 
a'  dol  an  aghaidh  a  cheile  uair  air  bith  chan 
abair  mise  gu  bheil  thu  cearr  (a  chionn  nach  'eil 
fhios  agam)  ach  saoilidh  mi  gu  bheil  am  facal 
sin  ro  laidir.  Chan  'eil  mi  a'  faicinn  comharr- 
adh  air  bith  am  measg  chreutairean  na  Coille 
gu  bheil  Dia  a'  gabhail  tlachd  ann  an  seotachan, 
no  a'  gabhail  ciiraim  dhiubh.  Ach  c6  a 
theireadh  nach  robh  suim  aig  Criosd  do  sheo- 
tachan  ?  Is  e  lagh  na  Coille  "  am  fear  a  bhios 
air  dheireadh,  beiridh  a'  bheist  air  "  ach  is  e  a 
tha  Criosd  ag  radh, 

"  Am  fear  a  hha  air  dheireadh  hithidh  e  air 

thoiseach." 
"  Am  fear  as  lugha  is  esan  as  motha." 
"  Am  fear  a  bha  caillte  fhuaradh  e." 

A  reir  laghanna  na  Coille  tha  na  seotachan 
air  an  gearradh  as  gun  sgur,  gun  iochd  gun 
trocair,  agus  gun  chreutair  eile  'g  an  caoidh, 
ach  a  reir  laghanna  ar  rioghachd  thatar  a' 
cumail  nan  daoine  laidir  fodha  los  cothrom  a 
thoirt  do  na  seotachan.  Is  thatar  'g  a  dhean- 
amh  sin  a  chionn  gu  bheil  sinn  a'  creidsinn  gu 
bheil  am  Biobull  a'  foillseachadh  inntinn  Dhe 
na's  soilleire  na  tha  a'  Choille. 


A  bheil  e  fior  ? 


BHO  chionn  ghoirid  bha  mi  f  hein  agus  duine 
as  aithne  dhomh  an  Dim-eideann  a' 
bruidhinn  mu'n  atharrachadh  a  tha  air  tighinn 
air  daoine  oga  a  thaobh  dol  do'n  eaglais,  agus 
anns  a'  bhruidhinn  a  bha  againn  thubhairt  e  gu 
robh  e  fhein  a'  call  a  chail  air  dol  do'n  eaglais, 
agus  mur  bitheadh  gu  robh  e  'n  a  fhoirbheach 
agus  gu  robh  naire  air  fuireach  aisde  nach 
rachadh  e  innte  ach  gle  annamh. 

"  Car  son  sin  ?  ",  thubhairt  mi  ris. 

"  Tha,"  ars'  esan,  "  a  chionn  nach  'eil  mi  a' 
cluinntinn  anns  an  eaglais  mu  na  nithean  a 
bheireadh  innte  mi,  mu  Dhia  agus  mu'n  t- 
saoghal  neo-fhaicsinneach.  Sabaid  an  deidh 
Sabaid  chan  'eil  aig  a'  mhinistear  againn  ach  an 
seorsa  seanchais  a  gheibhear  anns  na  paipearan- 
naidheachd  mu  chor  an  t-saoghail  agus  mu  na 
cunnartan  a  tha  bagairt  oirnn  ma  dh'  eireas 
cogadh.  Chan  'eil  dad  a'  dol  air  aghaidh  air 
feadh  an  t-saoghail  nach  dean  e  iomradh  air 
anns  a'  chiibaid  ;  tha  an  League  of  Nations  air  a 
theangaidh  a  h-uile  la  's  a'  bhliadhna  gus  a  bheil 
uiread  grain  agam  oirre  's  a  tha  agam  air  an 
donas  fhein,  agus  a  cheart  cho  luath  's  a  chluinn- 
eas  mi  am  facal  Geneva  tha  fhios  agam  gu  robh 
cho  maith  dhomh  a  bhi  'n  am  chadal.  B'  fhearr 
learn  gu'n  deanadh  e  fhein  agus  a  h-uile  minis- 
tear  eile  agaibh  anns  an  eaglais  d'a  sheorsa  mar 


a  rinn  Seumas  Barr,  gu'n  tugadh  sibh  oirbh 
Tigh  nan  Cumantan,  agus  gu'n  leigeadh  sibh 
leinne  ministearan  ceart  f  haotainn,  ministearan 
coltach  ris  an  OUamh  Alasdair  Whyte  nach 
maireann  agus  ri  Graham  Scroggie  a  bha  anns 
an  eaglais  Bhaistich." 

Cha  ruig  mi  leas  an  corr  de  sheanchas  an 
duine  a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  oir  bha  e  gu 
maith  laidir,  ach  ged  nach  deachaidh  mise  ann 
an  argumaid  ris,  agus  ged  nach  dubhairt  mi  aig 
an  am  ach  nach  robh  leithidean  Alasdair  Whyte, 
agus  Graham  Scroggie,  agus  an  abstoil  Pol, 
furasd  am  faotainn  bha  m'  inntinn  agus  mo 
chridhe  ag  aontachadh  leis  fad  na  h-ixine,  ged 
nach  bu  mhaith  leam  labhairt  no  sgriobhadh 
cho  laidir  no  cho  teth  's  a  labhair  esan. 

Chan  'eil  e  furasda  daoine  a  thoileachadh  ; 
na'n  rachadh  tu  ann  an  seanchas  ri  duin-eigin 
eile  ann  an  eaglais  eile  theagamh  gu'n  abradh  e 
gu'n  robh  am  ministear  aige-san  a'  call  greim 
air  an  oigridh,  a  chionn  nach  bi  e  a'  labhairt  uair 
air  bith  mu  na  nithean  a  tha  'n  an  inntinnean, 
no  a  bhuineas  do  shaoghal  nam  beo,  ach  mu 
neamh  agus  mu  fhois  nan  naomh  agus  mu 
dhiomhaireachdan  mu  Dhia  nach  'eil  iad  a' 
tuigsinn  agus  anns  nach  'eil  iiigh  aca. 

Ach  chan  ann  gus  daoine  a  thoileachadh  a 
tha  neach  air  bith  air  a  chur  air  leth  a  shear- 


A  BHEIL  E  FIOR?— AIG  AN  UINNEIG 


monachadh,  ach  a  thoirt  fianuis  do'n  t-saoghal 
mu  Dhia  agus  mu'n  t-saoghal  neo-fhaicsinneach. 
Bha  an  duine  ceart  gu  leor  anns  a'  chuid  sin  ; 
tha  miltean  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  an  diugh 
a'  fas  seachd  sgith  de'n  t-seorsa  searmonachaidh 
a  tha  iad  a'  faotainn,  searmoin  mu  chor  an 
t-saoghail,  mu  shuidheachadh  nan  rioghachdan, 
mu'n  fheum  a  tha  aig  an  t-saoghal  air  an  rud  a 
tha  aig  an  eaglais  ri  thoirt  dha,  mu'n  deidh  a 
tha  aig  daoine  air  airgiod  agus  toil-inntinn,  agus 
a'  ghrain  a  tha  aca  air  dol  do'n  eaglais,  mu 
chogadh,  mu  chomharran  na  h-aimsir,  mu 
Etiopia  agus  an  League  of  Nations,  mu  cheartas 
Bhreatuinn,  no  mu  chealgaireachd  Bhreatuinn, 
agus  mar  sin  agus  mar  sin  sios.  Chan  'eil  duine 
anns  an  eaglais,  o'n  Mhoderator  gus  am  minis- 
tear  as  oige  innte,  a  rachainn  aon  cheum  mo 
choise  air  la  Sabaid  no  seaehduin  a  dh'  eisdeachd 
ciod  a  tha  aige  ri  radh  mu  chor  an  t-saoghail 
no  xau  chunnartan  cogaidh,  ach  rachainn 
fada  gu  leor  a  dh'  eisdeachd  duine  tiirail  a' 
bruidhinn  mu  Dhia  agus  mu  na  rinn  Dia  air 
son  'anama. 

Chan  'eil  ann  ach  call  analach  do  mhinistearan 
a  bhi  labhairt  ris  an  rioghachd  no  ri  tighearnan, 
no  do'n  Eaglais  a  bhi  ag  radh  gu  bheil  teach- 
daireachd  aice-se  do'n  rioffhachd  ris  am  feum 


an  rioghachd  eisdeachd,  ma  bu  mhaith  leatha 
mairsinn  beo.  Is  e  priomh  obair  mhinistearan 
bruidhinn  ri  anama  fa  leth  agus  bruidhinn  riu 
mu  Dhia  agus  mu  nithean  spioradail,  agus  chan 
'eil  teachdaireachd  aig  an  eaglais  ris  an  eisd  an 
rioghachd  no  an  saoghal  ach  a  mhain  an  f  hianuis 
a  chi  iad  ann  am  beatha  dhaoine  diadhaidh  agus 
spioradail. 

Am  measg  dhileaban  eile  a  dh'  fhag  an 
Cogadh  Mor  againn  dh'  fhag  e  an  droch  chleach- 
dadh  so  againn,  oir  ged  thoisich  an  cleachdadh 
roimh  'n  Chogadh  is  ann  ri  linn  a'  Chogaidh  a 
fhuair  e  greim  cho  laidir  air  an  eaglais  agus  a 
thoisich  uiread  mhinistearan  air  labhairt  mu'n 
Chaesar,  agus  mu  chor  an  t-saoghail,  agus  mu 
nithean  aimsireil  agus  faicsinneach. 

Ach  dh'  fhaodamaid  na  nithean  sin  (social 
agus  economic  problems)  a  nis  fhagail  an  urra 
ris  an  Ollamh  Boanerges  Pom-Pom  agus  tois- 
eachadh  as  iir  air  labhairt  mu  Dhia  agus  mu  na 
nithean  a  tha  air  a  radh  uime  anns  a'  Bhiobull  ; 
Geneva  fhagail  agus  dol  air  ar  n-ais  gu  Betlehem. 
Chan  'eil  seanchas  air  an  t-saoghal  as  luaithe  a 
ghlacas  aire  dhaoine  na  seanchas  mu  Dhia,  ma 
tha  am  fear-seanchais  tiirail  agus  iriosal,  agus 
nach  leig  e  air  gur  h-aithne  dha  nithean  nach 
aithne  dha  idir. 


Aig  an  Uinneig 


Righ  Deorsa 

CHAIDH  a  h-uile  ni  a  bhuineadh  do  Chriinadh 
an  Righ  air  aghaidh  mar  bu  mhaith  leis  an 
diithaich,  is  tha  an  guidhe  agus  an  urnuigh  a 
nis  ann  an  cridheachan  an  t-sluaigh,  gu'n  lean 
an  Righ  iir  ann  an  ceuman  athar. 

Chan  'eil  neach  eile  air  an  t-saoghal  'n  a 
shuidhe  ann  an  cathair  cho  ard  no  cho  greadh- 
nach  ri  righ-chathair  Bhreatuinn  ;  chan  'eil 
uachdai*an  eile  air  an  t-saoghal  anns  an  linn  so 
cho  cumhachdach  ri  Righ  Deorsa,  anns  an 
t-seagh  gu  bheil  e  a'  riaghladh  iompaireachd 
anns  a  bheil  barrachd  sluaigh  agus  barrachd 
fearainn  na  tha  ann  an  iompaireachd  eile  fo'n 
ghrein. 

Tha  e  a'  cur  ionghnaidh  air  moran  dhaoine 
ciod  a  bu  chiall  no  b'  aobhar  do'n  iolach  agus 
do'n  aighear  a  bha  air  a  dheanamh  mu  chriinadh 
an  Righ  air  feadh  na  duthcha  gu  leir,  agus  leis 
gach  seorsa  dhaoine  ;  Socialists  agus  Tories, 
Pacifists  agus  Saighdearan  ;  fir,  agus  mnathan, 
agus  clann.  Theagamh  gu  robh  iomadh  aobhar 
a'  comh-oibreachadh  r'a  cheile  anns  a'  chilis  so, 
ach  tha  mi  an  diiil  gur  e  an  fhior  aobhar  an 
taingealachd  a  bha  ann  an  cridheachan  dhaoine 
gu'n  deachaidh  uilc  a  bha  bagairt  orra  seachad 
agus  gu'n  d'  fhuaras  anns  a'  charaid  oig  a  tha 
nis  air  an  crtmadh  Righ  agus  Banrigh  a  chumas 
righ-chathair  Bhreatuinn  measail  agus  urramach 
am  fianuis  an  t-saoghail. 


Tha  iad  le  cheile  fo  dheagh  chliii  ;  bha  am 
beatha  agus  an  dachaidh  reidh,  sona,  an  uair 
a  thainig  a'  ghairm  so  thuca  gu  h-obann,  agus 
gun  iad  air  iad  f  hein  ullachadh  air  son  dhleas- 
danasan  rioghail  mar  bu  mhaith  leo  a  bhith. 
Ach  gun  fhacal  no  usaid  a  dheanamh  uime 
ghabh  iad  os  laimh  an  t-uallach  trom  a  bhitheas 
orra  gu  brath  tuilleadh,  oir  chan  'eil  anns  an 
Righ  ach  seirbhiseach  nan  uile. 

Tha  e  air  a  radh  nach  'eil  buadhan  inntinn 
aig  an  Righ  ur  ach  mar  tha  aig  a'  chumantas 
de  'n  t-sluagh,  ach  bha  sin  a  cheart  cho  fior  a 
thaobh  athar,  agus  nach  bu  mhaith  agus  nach 
bu  ghlic  an  Righ  e  !  Chan  e  comasan  no 
geiread  inntinn  a  tha  muinntir  Bhreatuinn  ag 
iarraidh  anns  an  Righ,  oir  tha  gu  leoir  de 
sheirbhisich  aige  anns  a'  Chiiirt  agus  anns  a' 
Pharlamaid  air  an  deagh  phaigheadh  air  son  a 
chumail  ceart  ann  an  gnothuichean  de  'n 
t-seorsa  sin.  Is  e  an  seorsa  Righ  as  toigh  le 
muinntir  Bhreatuinn  duine  a  tha  car  coltach 
riu  fhein  ach  na's  fhearr  na  iad  fhein  ;  duine 
simplidh,  prionnspalach,  m'  am  faodar  a  radh 
gur  e  fior  dhuin-uasal  a  tha  ann,  a  tha  sona  'n  a 
dhachaidh  le  mhnaoi  agus  le  chloinn  fhein, 
duine  glic  a  ghabhas  comhairle,  agus  a  tha 
faireachail  ri  bochdan  agus  ri  daoine  air  an 
tainig  call  no  mi-fhortan.  Sin  an  seorsa  Righ 
a  bu  mhaith  leinn  a  bhi  air  a'  Chrim,  agus  is  e 
an   dochas    a  tha   anns   an   diithaich  gu'n  d' 


8 


AIG  AN  UINNEIG— CRUNADH  AR  RIGH 


fhuaras  a  leithid  so  de  dhuine  ann  an  Righ 
Deorsa  a  b'  aobhar  do'n  iolach  a  bha  air  a 
dheanamh  aig  am  a  chrimaidh  air  a'  mhios  a 
chaidh  seachad. 

An  t-Ard  Sheanadh 

M'an  leughar  an  duilleag  so  an  ath  mhios 
bithidh  an  t-Ard  Sheanadh  air  cruinneachadh 
agus  air  sgaoileadh.  Tha  ceangal  aig  muinntir 
na  Gaidhealtachd  agus  nan  Eileanan  ris  an 
t-Seanadh  am  bliadhna  na's  laidire  na's  abhaist, 
a  chionn  gur  e  an  t-Ollamh  Diighall  Mac 
Pharlain  Ceann-suidhe  an  t-Seanaidh.  Tha  e 
trom  air  ministear  sgireachd  ullachadh  air  son 
obair  an  t-Seanaidh  a  dheanamh  a  thuilleadh 
air  obair  a'  choinihthionail  fein,  ach  goirid  m' 
an  do  choinnich  an  Seanadh  bha  uallach  eile, 
agus  uallach  a  bu  ghoirte  leis,  air  a  leagail  air 
guaillean  a'  Mhoderator,  oir  chaill  e  an  aona 
bhrathair  a  bha  aige.  Shiubhail  e  anns  an 
Fhraing.  Bha  moran  d'a  luchd-eolais  anns  an 
duthaich  a'  smuaineachadli  air  a'  Mhoderator 
aig  an  am  le  faireachduinn  bhlath  is  bhraithreil. 

A  thaobh  's  gu  bheil  Gaidhlig  aig  Moderator 
na  bUadhna  so  tha  a  chuairt  ri  bhi  air  a  cumail 
an  taobh  a  stigh  de  chriochan  na  Gaidhealtachd 
agus  nan  Eileanan  cho  fad  's  a  ghabhas  sin 
deanamh.  Tha  iomadh  turus  air  am  feum  e 
dol  do  chearnan  eile  de'n  duthaich  cho  maith 
ris  a'  Ghaidhealtachd,  ach  theid  e  air  feadh 
uiread  's  is  urrainn  e  de  na  Cleirean  Gaidhealach, 
e  fhein  agus  a  ghillean-frithealaidh.  Na'n 
rachadh  aig  aon  de  na  gillean-frithealaidh  sin 
air  innseadh  cia  meud  eaglais  air  tir-mor  na 
Gaidhealtachd  anns  a  bheil  Gaidhlig  air  a 
searmonachadh  bhithinn  'n  a  chomain. 

Dim-eideann  ag  itheadh  ar  codach 

Tha  feadhainn  de  luchd-dreuchd  na  h-eaglais 
agus  gu  leoir  de  dhaoine  'n  ar  coimhthionailean 
aig  a  bheil  amharus  gu  bheil  a'  chuid  mhor  de'n 
airgiod  a  thatar  a'  cur  sua.s  do  Dhun-eideann 
a  h-uile  bliadhna  air  a  chosd  a'  paidheadh  feachd 
de  mhinistearan  leth-dhiomhaineach  agus  reis- 
eamaid  de  chleirich  ann  and 21  Sraid  Sheorais, 
agus  mar  is  lugha  a  tha  iad  a'  cur  suas  a  dh' 
airgiod  is  ann  is  motha  an  amharus.  Air  an 
t-seachduin  so  chaidh  thachair  fear-dreuchd 
de  'n  t-seorsa  so  rium  anns  an  trean,  agus  fad 
na  h-iiine  a  bha  sinn  comhla  b'e  sud  an  aon  duan 


a  bha  aige,  gu  bheil  cinn  na  h-eaglais  an  Dim- 
eideann  ag  itheadh  ar  codach  mar  a  bhios  luchd- 
lagha  ag  itheadh  nan  dileaban  anns  am  bi 
lamh  aca.  Dh'  fheuch  mi  ris  an  duine  a  chur 
as  a  bheachd,  ach  bu  cho  maith  dhomh  feuch- 
ainn  ri  Caisteal  Dhim-eideann  a  charachadh 
as  aite.  An  uair  a  thainig  mi  dhachaidh  sheall 
mi  anns  an  Leabhar  Dhearg  a  dh'  f  haicinn  ciod 
a  chuir  an  coimhthional  anns  a  bheil  e  'na  f  hear- 
dreuchd  suas  do  Dhim-eideann  an  uiridh  ;  cha 
do  chuir  e  suas  ach  —  notaichean,  suim  cho  beag 
's  nach  deanadh  e  cuirm-chnuic  a  thoirt  do 
Chileadairean  na  h-Eaglais  sios  gu  Prestonpans. 
Chuala  mi  daoine  as  tiiraile  na  'm  fear  a  thachair 
orm  anns  an  trean  a'  deanamh  a'  cheart 
ghearain  so,  gu  sonruichte  an  uair  nach  'eil  iad 
air  dealbh,  ach  chan  'eil  facal  firinn  ann.  Is  e 
an  f  hior  aobhar  gu  bheil  riaghladh  na  h-eaglais 
car  cosdail  an  diugh  gu  bheil  uiread  ghno- 
thuichean  air  lamhan  na  h-eaglais  's  a  tha  air 
lamhan  Shaw,  Walker,  &  Co.,  an  Glaschu,  no 
Imperial  Chemicals  Co.,  no  oibrichean  mora 
de  'n.  t-seorsa  sin,  agus  gu'm  feum  i  a  gnothui- 
chean  a  chur  an  ordugh  a  cheart  cho  riaghail- 
teach  ri  comuinn  eile.  Ged  nach  'eil  mi  uile 
gu  leir  cinnteach  tha  mi  an  dull  gur  fhiach 
Eaglais  na  h-Alba,  ann  an  togalaichean  agus 
an  airgiod,  suas  ri  coig  muillean  punnd  Sasunn- 
ach.  Feumaidh  sin  riaghladaireachd,  agus  chan 
ann  gun  chosdusa  ghabhas  riaghladaireachd  j 
deanamh  uair  air  bith.  A  thuilleadh  air  sin  ~J 
tha  sinn  ag  iarraidh  a  nis  air  121  Sraid  Sheorais  ^ 
frithealadh  cho  luath  agus  cho  maith  a  dheanamh 
dhuinn  's  a  dh'  iarrar  air  k'  mharsanta  no  air  a' 
bhiiidsear.  Ach  tha  sin  a'  cosd  airgid.  Na'n 
cuireadh  am  fear  a  thachair  orm  anns  an  trean 
litir  gu  121  Sraid  Sheorais,  agus  mur  faigheadh 
e  fios-freagairt  leis  an  ath  phosta,  leumadh  e 
as  a  chraicionn  le  feirg.  Ach  ciamar  a  sgriobhar 
litir  mur  bheil  cleireach  ann  a  sgriobhas  i,  agus 
ciamar  a  gheibhear  cleireach  gun  a  phaidheadh  ? 

Ged  nach  do  sheall  mise  a  steach  anns  a' 
chilis,  tha  urrainn  mhaith  agam  air  a  radh,  gu 
bheil  an  riaghladaireachd  a  tha  cinn  na  h-eaglais 
a'  deanamh  an  Sraid  Sheorais  a'  cosd  na's  lugha 
na'n  riaghladaireachd  a  thatar  a'  deanamh  ann 
am  marsantachd  shaoghalta. 

An  aite  a  bhi  ag  itheadh  ar  codach  tha  Dim- 
eideann  ciiramach  agus  caomhnanta  air  airgiod 
na  h-eaglais. 


Crunadh  ar  Righ 


(^Chi  si?in  losa  air  a  chrunadh) 

CRUNAR  E,  Ard  Righ  nan  righ,  Crimar  E,  Buan  Righ  nan  al, 

Gach  neach  is  ni  tighinn  fo  a  smachd  ;  Bho  linn  gu  linn  toirt  solus  iiiil, 

Is  rioghachdan  na  cruinne  stri  G'an  stitiireadh  uile  mar  is  aill 

Co  as  dilse  bhitheas  d'a  reachd.  -  Le  gliocas  graidh  Aird  Righ  nan  diil. 

Alasdair  MacRath. 


Aireamh  7 


937 


Tlachd  an  Tighearn 

Mo  thlachd niaille ri cloinnnan  daoine." — GnAth-Fhocail  viii.  31. 


BU  mhaith  learn  anns  an  t-seanchas  so  bascaid 
de  chnamhan  tioram  a  chruinneachadh, 
cnkmhan  air  am  faod  an  luchd-leughaidh  feoil 
a  chur  ma  thogras  iad. 

Ged  nach  iarradh  Criosd  oirrn  idir  na  sgriob- 
turan  a  rannsachadh  bhiodh  e  maith  dhuinn 
sin  a  dheanamh,  oir  tha  am  Biobull  air  a  dheach- 
dadh  leis  an  Spiorad  Naomh,  agus  tarbhach 
a  chum  teagaisg,  a  chum  cronachaidh,  a  chum 
oilein  ann  am  fireantachd.  Chan  'eil  fear- 
mineachaidh  air  a'  Bhiobull  as  fhearr  na  am 
Biobull  fein  ;  cuiridh  aon  rann  solus  air  rann 
eile.  Tha  briathran  nam  faidhean  agus  nan 
abstol  a'  cur  soluis  air  a  cheile,  agus  tha 
briathran  Chriosd  a'  soillseachadh  a'  Bhiobuill 
uile.  Rannsaicheamaid,  ma  ta,  na  sgriobturan, 
agus  thugamaid  an  aire  ciod  e  na  nithean  anns 
a  bheil  tlachd  aig  Dia,  agus  na  nithean  anns 
nach  'eil  tlachd  aige  idir. 

Tha  e  furasda  gu  leor  gne  agus  nadur  duine 
a  thuigsinn  ma  's  aithne  dhuit  ciod  e  na  nithean 
anns  a  bheil  iiigh  agus  tlachd  aige  ;  innsidh 
an  dxirachd  an  cridhe.  Tha  so  fior  a  thaobh 
Dhe  mar  an  ceudna  ;  tha  a  nadur  agus  a 
ruintean  air  am  foillseachadh  dhuinn  anns  na 
h-earrannan  sin  de  'n  Bhiobull  a  tha  ag  innseadh 
dhuinn  nan  nithean  anns  a  bheil  tlachd  aige. 


no  air  airde  a  phearsa,  oir  chan  fhaic  lehobhah 
mar  a  chi  duine,  oir  amhaircidh  duine  air  coslas 
an  taobh  a  muigh,  ach  amhaircidh  Dia  a  steach 
air  a  chridhe."     (1  Sam.  xvi.  7). 

Ach  tha  amharus  agam  gu  robh  tuilleadh 
agus  so  ann  an  inntinn  an  t-Salmadair,  oir  is  e 
a  thubhairt  e,  "  Ann  an  casan  fir  cha  ghabh 
e  tlachd  :  ann  an  neart  an  etch  cha  hhi  a  thoil- 
eachas."  Car  son  a  chuir  e  an  da  rud  sin  comhla, 
casan  fir  agus  neart  eich  ?  Chuir,  a  chionn 
gu  robh  e,  theagamh,  a'  ciallachadh  le  casan 
fir,  saighdearan-coise,  agus  le  neart  an  eich, 
saighdearan-each  ;  mar  gu'n  abradh  e  ri  a 
luchd-duthcha  nach  b'ann  ann  an  cumhachd 
an  airm  a  bu  choir  dhaibh  an  earbsa  a  chur  ach 
ann  an  ceartas.  Coltach  ris  na  rioghachdan 
eile  a  bha  mu'n  cuairt  oirre  bha  Israel  a' 
deanamh  earbsa  agus  uaill  a  luathas  a  laochraidh 
agus  a  neart  a  h-eachraidh,  ach  tha  an  Sal- 
madair  ag  innseadh  dhi  nach  nach  'eil  tlachd 
aig  Dia  anns  na  nithean  sin,  agus  gur  fearr 
fabhar  agus  comhnadh  an  Tighearna  na  uile 
neart  a  h-airm.  An  e  Pacifist  a  bha  anns  an 
t-Salmadair  roimh  'n  am  ? 

"  Earhaidh  cuid  a  carhadan,  agus  cuid  a  eich, 
ach  ni  sinne  luaidh  air  ainm  lehobhah  ar  Dia. 
— Salm  XX.  7. 


Tha  tri  nithean  anns  nach  'eil  tlachd  aig  Dia, 
seadh  ceithir  nithean  nach  toir  toileachadh 
dha  ;  casan  fir,  bas  an  aingidh,  iobairtean 
gun  tairbhe,  agus  amadain  : 

(1)  Ann  an  casan  fir  cha  ghabh  mi  tlachd. — • 
Salm  cxlvii.  10. 

(2)  Mar  is  beb  mi,  chan  'eil  tlachd  air 
bith  agam  ann  am  bas  an  aingidh. — Eseciel 
xxxiii.  11. 

(3)  Ann  am  fuil  tharbh,  agus  uan,  agus  bhoc- 
ghaibhre  chan  'eil  mo  thlachd. — Isaiah  i.  11. 

(4)  Chan  'eil  tlachd  aig  Dia  ann  an  amadain. 
— ECCLES,  V.  4. 

Ciod  a  bha  an  salmadair  a'  ciallachadh  leis 
an  fhacal,  nach  'eil  tlachd  aig  Dia  ann  an 
casan  fir  ?  Chan  urrainn  mise  a  radh  gu  bheil 
mi  cinnteach  ciod  a  bha  e  a'  ciallachadh,  ach 
bheir  mi  dhuit  earrann  eile  a  dh'  fhaodas 
solus  a  chur  air  an  earrann  so,  am  facal  a 
thubhairt  Dia  ri  Samuel  an  uair  a  chuir  e  gu 
tigh  lese  e  a  dh'  imgadh  fear  d'a  mhic  mar 
righ  air  Israel — "  Na  h-amhairc  air  a  ghniiis, 


A  thaobh  iobairtean  do  Dhia,  is  e  an  iobairt 
a  tha  daonnan  taitneach  do  Dhia  cridhe  briste 
an  aithreachain.  Tha  e  moran  na's  fhasa 
do  dhaoine  iobairt  am  bilean  a  thabhairt 
do  Dhia  na  iimhlachd  a  chridhe,  ach  mur  dean 
sinn  toil  an  Tighearna  agus  mur  toir  sinn 
iimhlachd  d'a  reachd  chan  'eil  ann  dhuinn 
ach  diomhanas  laoigh  ar  bilean  a  thairgsinn 
dha,  sailm  agus  iirnuighean.  Anns  a'  chilis 
so  bha  faidhean  Israeli  fada  na  bu  ghlice  agus 
na  bu  tuigsiche  na  na  sagartan  ;  thuig  iad 
inntinn  an  Tighearna  na  b'  fhearr.  Theireadh 
na  sagartan  gu  robh  tlachd  Dhe  ann  an  aoradh  ; 
gu'm  b'e  an  doigh  cheart  air  fabhar  agus 
gean-maith  Dhe  a  chosnadh  iirnuighean,  agus 
iobairtean,  agus  tabhartasan-loisgte,  a  thairg- 
sinn dha  gu  riaghailteach  agus  gu  h-6rdail, 
ach  thubhairt  na  faidhean  nach  ann  anns  na 
nithean  sin  idir  a  bha  Dia  a'  gabhail  tlachd. 

Is  fearr  iimhlachd  na  iobairt,  agus  aire  a 
thabhairt  na  saill  reitheachan. — 1  Sam.  xv.  22. 

lobraibh  iobairtean  ionracais,  agus  earbaibh 
a  lehobhah. — Salm.  iv.  5. 


2 


TLACHD  AN  TIGHEARN— AIG  AN  ARD-SHEANADH 


Ciod  e  llonmhorachd  'ur  n-iohairtean  dhomhsa, 
deir  an  Tighearn  .  .  .  ;  na  tugaibh  tahhartas 
diomhain  uaihh  nas  nib,  tha  iad  'n  an  grainealachd 
dhomh  .  .  .  ;  nighibh,  glanaihh,  cuiribh  air 
falhh  ok  'ur  deanadais  as  mo  shealladh  ;  sguiribh 
de  dheanamh  uilc.  Fbghlumaibh  maith  a  dhean- 
amh ;  iarraibh  breitheanas ;  cuiribh  ceart  an 
t-ainneartach  ;  cumaibh  coir  ris  an  dilleachdan  ; 
tagraibh  ciiis  na  bantraich. — Isaiah  i.  11-17. 

Sin  na  nithean  anns  a  bheil  tlachd  aig  Dia, 
agus  faodar  a  thuigsinn  uapa  gu  bheil  e 
uasal  'n  a  nadur  agus  ceart  'n  a  shlighean. 
Ged  nach  'eil  stuamachd  agus  caitheamh- 
beatha  maith  a'  fireanachadh  dhaoine  am 
fianuis  Dhe,  chan  'eil  an  diadhaidheachd 
fallan  no  ceart  as  an  eugmhais.  "  Chan  e 
iadsan  a  their,  A  Thighearn,  A  Thighearn,  a 
theid  a  steach  do  rioghachd  neimh,"  arsa 
Criosd,  "  ach  iadsan  a  ni  toil  m'Athar-sa  a 
thaairneamh." 

****** 

Chan  'eil  tlachd  aig  Dia  ann  an  amadain. 
Tha  amadain  agus  amadain  ann  ;  amadain 
ghorach  agus  amadain  ghlic  ;  amadain  gun 
chron,  gun  gho,  agus  amadain  a  tha  Ian  uilc, 
ach  anns  a'  Bhiobull  tha  am  facal  amadan  a' 
ciallachadh,  chan  e  duine  anns  nach  'eil  tiir 
no  eanchainn  gu  nadurra,  ach  duine  anns  nach 
'eil  smod  tuir  no  mothachaidh  gu  spioradail, 
an  seorsa  dhaoine  aig  a  bheil  coguis  mhaol  a 
chionn  gu'n  d'  thug  iad  iad  fein  thairis  do 
mhacnus  agus  do  thrusdaireachd.  An  iongh- 
nadh  gu'n  abradh  an  seorsa  dhaoine  sin  nach 
'eil  Dia  ann  ?  Tha  cridheachan  truaillidh 
salach  aca,  is  tha  e  eu-comasach  dhaibh  Dia 
fhaicinn  no  fhaireachadh,  oir  is  e  iadsan  a  tha 
glan  'n  an  cridhe  a  chi  Dia. 

****** 

Chan  'eil  tlachd  aig  Dia  ann  am  bas  an 
aingidh.  Chan  'eil,  ach  tha  tlachd  aige  ann 
an  trocair,  agus  naor-thlachd  'na  mhac  gradhach 
anns  a  bheil  a  throcair  do  pheacaich  air  fhoill- 
seachadh.  Cha  ruigear  a  leas  na  sgriobturan  a 
rannsachadh  a  dhearbhadh  nach  'eil  tlachd 
aig  Dia  ann  am  bas  an  aingidh,  oir  ciod  air 
bith  aite  a  dh'  fhosglas  tu  am  BiobuU  tha  sin 
cho  soilleir  ris  a'  ghrein.  Ach  ma  bu  mhaith 
leat  greimeachadh  air  aon  fhacal  a  tha  a' 
cur  an  geill  gun  cheisd  rim  Dhe  a  thaobh  nan 
aingidh  greimich  air  an  fhacal  so — 

Tha  tlachd  aige  ann  an  trocair 
Ged  labhradh  neach  le  teangadh  dhaoine  agus 


ainglean  cha  b'  urrainn  e  labhairt  mu  throcair 
Dhe  mar  bu  choir,  oir  tha  a  throcair-san  o 
shiorruidheachd  gu  siorruidheachd,  cho  ard 
ris  na  neamhan,  cho  domhain  ris  a'  chuan,  gun 
cheann  gun  chrioch.  Ma  tha  neach  air  thal- 
amh  an  diugh  cho  barraichte  ann  an  aingidh- 
eachd  's  gu'm  faodteadh  a  radh  uime  gur 
e  an  duine  as  miosa  anns  an  t-saoghal,  bruideil 
agus  ain-diadhaidh  os  cionn  nan  uile,  tha 
gradh  aig  Dia  eadhon  do'n  duine  sin,  agus 
is  aill  leis  gu'm  maireadh  e  beo.  Sin  agad 
trocair  an  Tighearna. 

An  uair  a  bha  mi  anns  a'  Chollaist  an  Dtin- 
eideann  bha  seann  fhear-lagha  anns  a'  bhaile 
air  an  robh  mor  mheas  aig  na  h-uile  dhaoine 
d'  am  b'  aithne  e,  duine  maith  agus  duine 
diadhaidh,  Iain  Carment.  La  a  thadhaill  an 
t-Ollamh  Alasdair  Whyte  nach  maireann  air, 
agus  gnothuch  aige  ris,  an  deidh  dhaibh  an 
gnothuch  a  dheanamh,  sheall  Iain  Carment 
air  a'  mhinistear  anns  an  aodann,  agus  thubh- 
airt  e  ris,  "  A  bheil  idir  facal  agad  do  sheana 
pheacach  ?  " 

Chaidh  Alasdair  Whyte  air  mhiapadh  car 
mionaid  ;  cha  robh  f hios  aige  ciod  a  theireadh 
e,  oir  chuir  ceist  an  fhir-lagha  ionghnadh  air, 
seann  duine  a  b'  aithne  dha  mar  dhuine  naomh. 

An  uair  a  thainig  e  thuige  fhein  thainig  am 
facal  so  o  Dhia  gu  bheul,  "  Tha  tlachd  aige  ann 

an  trocair "  ;  a  cheart  cho  luath  's  a  bha 

am  facal  as  a  bheul  ghabh  e  a  chead,  is  dh' 
fhalbh  e. 

An  ceann  la  no  dha  fhuair  e  litir  bho  Iain 
Carment,  ag  innseadh  dha  gu'n  do  laigh 
dorchadas  air  inntinn  bho  chionn  greis,  ach 
gu'n  deachaidh  am  facal  ud  mar  ghath  greine 
a  steach  d'a  anam,  agus  gu'n  d'  fhuair  e  saorsa. 
Cha  robh  an  solus  air  a  thoirt  air  falbh  bho 
Iain  Carment  riamh  'n  a  dheidh  sud.  Co 
an  Dia  ann  a  tha  cosmhuil  riut-sa,  a  mhaitheas 
aingidheachd  agus  a  ghabhas  seachad  air 
easaontas  do  shluaigh,  oir  ar  Dia-ne  cha 
ghleidh  e  a  chorruich  gu  siorruidh,  a  chionn  gur 
toigh  leis  trocair  ? 

**>•*** 

Na  h-abradh  am  peacach,  ma  ta,  gu  bheil  e 
diomhain  dha  tionndadh  ri  Dia,  oir  ma  thionn- 
daidheas  e  ri  Dia  gheibh  Dia  cothrom  air  rud 
a  dheanamh  anns  a  bheil  e  a'  gabhail  tlachd. 

Is  toigh  le  Dia  toimhsean  ceart  ;  is  toigh 
leis  daoine  firinneach,  is  toigh  leis  iirnuigh 
dhaoine  treibhdhireach,  ach  os  cionn  nan  uile 
nithean,  is  toigh  leis  trocair,  ann  fein  agus 
'n  a  chloinn. 


Aig  an  Ard-sheanadh 


Leis  an  Uhramach  Tomas  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  Ministear  Ghlinn  Eilge 

BHA  aobhar  aig  Gaidheil  tlachd  sonruichte      Gaidhealach,  an  t-Ollamh  Diighall  Mac  Phar- 
bhi  aca  ann  an  Ard-sheanadh  na  h-eaglaise      lain,  ministear  Chinn-Ghiiithsaich,   a  bha   air 
air  a'  bhliadhna  so,  a  chionn  gu'm  b'e  ministear      a  thaghadh  mar  Mhoderator.     Chan  e  beagan 


AIG  AN  ARD-SHEANADH 


3 


idir  a  tha  de'n  bharail  gur  e  a  mhain  Deasaich 
agus  niinistearan  nam  bailtean  mora  a  tha 
araon  airidh  air  an  onoir  so  agus  comasach 
air  an  oifig  a  choimhlionadh  le  eireachdas. 
Is  maith,  mar  sin,  gu'n  robh  againn  air  a' 
bhliadhna  so  Moderator  a  thug,  tha  sinn  an 
dochas,  buille-bhais  do'n  bhai*ail  neonach  sin 
le  a  ghiiilan  agus  le  bhriathran. 

Bha  an  t-Ollamh  Tormod  Mac  Leoid,  fear 
de  mhinistearan  Inbhir-Nis,  'n  a  Mhoderator 
air  Eaglais  na  h-Alba  an  1900,  agus  bha  an 
t-Ollamh  Seumas  Curdie  Russell,  a  Ceann 
Loch  Cille  Chiarain,  'n  a  Mhoderator  an  1902, 
ach  bho  'n  am  sin  gus  an  so  cha  robh  ministear 
Gaidhealach  air  a  thaghadh  gu  bhi  air  ceann 
an  Ard-sheanaidh.  Ged  bha  an  t-urram  air 
a  thoirt  do  'n  Ollamh  Tormod  Mac  Gilleathain 
deich  bliadhna  air  ais,  agus  do'n  Ollamh 
Lachlann  Mac  Gilleathain  Mac  Bhatair  tri  bli- 
adhna air  ais,  agus  ged  is  Gaidheil  le  cheile 
iad,  chan  ann  mar  mhinistearan  air  coimhthion- 
alan  Gaidhealach  is  aithne  do'n  eaglais  iad. 

Is  ann  'n  a  lan-am,  mar  sin,  a  theann  ard- 
chomhairle  na  h-eaglaise  air  speis  a  nochdadh 
do'n  taobh  tuath,  agus  thagh  iad  ministear  a 
tha  ainmeil  thall  agus  a  bhos  mar  shear- 
monaiche  agus  mar  phears-eaglais  agus  mar 
dhuine  a  tha  duineil  air  sgath  leas  spioradail 
agus  aimsireil  na  Gaidhealtachd.  Chaidh  an 
t-Ollamh  Mac  Pharlain  a  thaghadh  a  chionn 
gu'm  b'e  beachd  na  h-eaglaise  gu'm  bheil 
e  lan-airidh  air  an  urram,  agus  mar  an  ceudna, 
feudar  a  radh,  a  shealltainn  gu'm  bheil  an 
eaglais  a'  cumail  air  chuimhne  nach  ann  a 
mhain  anns  na  bailtean  mora  no  ann  an  ceann 
a  deas  na  duthcha  a  gheibhear  foghlum  soisgeul- 
ach  agus  dilseachd  ann  an  aobhar  an  Tigh- 
earna. 

Feum  air  Smachd 

Chan  e  obair  shoirbh  a  tha  ann  a  bhi  riagh- 
ladh  deasbudan  agus  gnothaichean  an  Ard- 
sheanaidh  gu  reidh  agus  gu  h-6rdail.  Am 
moran  dhoighean  tha  an  t-Ard-sheanadh 
coltach  ri  Tigh  na  Parlamaid,  agus  an  so  mar 
an  sud  bithidh  ciiisean  air  uairean  a'  dol 
thuiream-tharam,  agus  an  uair  a  theid  bruidh- 
inn  cas  mu  sheach  chan  'eil  e  furasda  rian 
a  chumail.  Gu  fortanach  bha  ciiisean  am 
bitheantas  gu  siobhalta  aig  an  Ard-sheanadh 
air  a'  bhliadhna  so,  agus  ged  nach  bitheadh 
iad  cho  soci'ach  agus  a  bha  iad,  saoilidh  mi 
gu'n  robh  an  t-Ollamh  Mac  Pharlain  air 
smachd  a  chumail  a  cheart  cho  math  ri  Moder- 
ator a  chunnaic  mi  fhathast.  Co  dhiii,  nach 
robh  seisear  de  dhaoine  coimhlionta  'n  an 
suidhe  mu'n  cuairt  air  a'  bhord  air  a  bheul- 
aibh,  agus  an  t-Ollamh  Iain  White  air  an 
ceann,  gu  bhi  taiceachadh  a'  Mhoderator  ? 

Air  a  shon  sin,  tha  dleasdanasan  aig  a' 
Mhoderator  ri   dheanamh   anns   nach   urrainn 


Cleirich  an  Ard-sheanaidh,  no  an  t-Ollamh 
White,  no  Maighstear  Uilleam  Whitelaw, 
no  creutair  'sam  bith  eile,  cuideachadh  leis, 
ach  a  mhain  gras  Dhe  agus  a  bhuadhan  fhein, 
agus  is  iad  sin  na  dleasdanasan  a  dh'  fheuchas 
e  agus  a  thomhaiseas  e  air  a'  mheigh.  An 
ceann  iirnuigh  agus  ann  a  bhi  cur  failte  air 
teachdaire  an  righ  agus  air  teachdairean  o 
eaglaisean  eile,  agus  a'  labhairt  facail  misnea- 
chaidh  ri  Missionaraidhean  agus  ri  buidhnean 
eile  de  sheirbhisich  na  h-eaglais  dhearbh  am 
Moderator  e  fhein  gu  cliiimhor  agus  thug  e 
mor-thoileachadh  do  na  h-uile  a  dh'eisd  ris. 

Ciiisean  Gaidhealach 

O'n  bha  Moderator  Gaidhealach  air  ceann 
an  Ard-sheanaidh,  bha  e  nadurra  gu'm  biodh, 
mar  gu'm  b'eadh,  bias  Gaidhealach  air  na 
coinneamhan  gu  leir.  Cha  robh  riamh  uibhir 
de  Ghaidhlig  air  a  labhairt  ann  an  Talla  an 
t-Seanaidh,  agus  chualas  moran  mu  chor 
spioradail  agus  aimsireil  na  Gaidhealtachd. 
Air  an  t-Sabaid  tha  buill  an  Ard-sheanaidh 
daonnan  ag  aoradh  le  cheile  ann  an  eaglais 
mhor  Dhun-eideann,  agus  tha  niinistearan 
air  an  taghadh  gu  bhi  cuartachadh  nan  seir- 
bhisean  sin.  Anns  a'  mhaduinn  liubhair  an 
t-Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D., 
ministear  Chill-mo-naomhaig,  seannon  com- 
asach agus  brighmhor,  agus  air  an  fheasgar 
shearmonaich  an  t-Ollamh  Ruaraidh  Mac  Leoid 
gu  tlachdmhor,  mar  is  maith  as  aithne  dha, 
agus  'n  am  measg-san  a  chuidich  leo  air  ceann 
nan  seirbhisean  bha  dithis  de  mhinistearan 
oga  na  Gaidhealtachd. 

Bha  na  Gaidheil  riamh  math  air  an  fhein- 
mholadh,  a'  dichuimhneachadh  nach  robh 
iad  ach  'n  an  clann  feirge  eadhon  mar  chach. 
Mar  sin,  fagamaid  taobh  Ghaidhealach  an 
Ard-sheanaidh,  agus  thugamaid  siiil  air  cuisean 
eile. 

Litir  an  Righ 

Leughadh  litir  o'n  righ,  mar  is  abhaist,  a' 
nochdadh  a  dheagh-dhiirachd  do  Eaglais  na 
h-Alba  agus  a  rim  gu  bhi  'g  a  taiceachadh, 
agus  thug  e  toileachadh  mor  do  na  h-uile 
gu'n  do  chuir  a'  bhan-righ  teachdaireachd 
bhuaipe  fhein  a  dh'ionnsuidh  an  Ard-shean- 
aidh a  chionn  gur  ban-Albannach  i  fhein. 
Bha  am  Morair  Kinnaird  an  lathair  am  bliadh- 
na a  rithis  mar  theachdaire  o'n  righ,  agus 
bu  mhath  sin.  Buinidh  e  do  Eaglais  na 
h-Alba,  agus  'n  a  ghiiilan  agus  'na  bhriathran 
nochd  e  e  fhein  mar  dhuine  iriosal  agus  creid- 
mheach.  Latha  an  deidh  latha  dh'eisd  e  le 
aire  ris  na  bha  dol  air  aghaidh,  agus  labhair  e 
briathran  driiidhteach  nach  bu  choir  a  leigeil 
air  di-chuimhne. 

"  Feumar  beatha  clann  nan  daoine  a  shuidh- 
eachadh  air  bunaitean  spioradail,"  ars'  esan. 


AIG  AN  ARD-SHEANADH 


"  Is  e  fireantachd  a  mhain  a  dh'ardaicheas 
rioghachd.  Chan  'eil  snas  agus  greadhnachas 
na  togalaich  gu  feum  sam  bith  ma  tha  na 
bunaitean  suidhichte  air  a'  ghaineamh.  Chan 
'eil  tearuinteachd  ann  do  neach,  no  do  riogh- 
achd sam  bith,  a  mach  o  dhilseachd  iriosal  agus 
seasmhach  do  Chriosd  ar  Tighearna  agus  d'a 
theagasg  agus  do'n  t-soisgeul  a  tha  'g  ar 
gairm  uile  mar  innealan  ann  an  lamh  Dhe 
gu  bhi  stri  ri  bhi  comh-chumadh  rioghachdan 
an  t-saoghail  so  ri  Rioghachd  ar  De  agus  a 
Mhic.  Tha  dochas  nam  bliadhnaichean  ri 
teachd  mar  sin  an  earbsa  ri  Eaglais  Chriosd, 
agus  tha  e  a'  comh-sheasamh  anns  an  tomhas 
de  chreideamh  agus  de  iimhlachd  anns  an 
coimhMon  1  aithne  a  Tighearna." 

Aig  an  Ard-sheanadh  chuala  sinn  iomradh 
air  rud  no  dha  a  thug  dhachaidh  d'  ar  n-ionn- 
suidh  cho  freagarrach  agus  a  bha  briathran  a' 
Mhorair  Kinnaird  mu  chor  an  t-saoghail. 
Tha  diithchannan  ann  an  diugh  far  am  bheil 
oidhirpean  air  an  deanamh  mar  nach  robh  iad 
riamh  air  an  Stait  a  chur  air  thoiseach  air  Dia 
mar  chuspair-aoraidh  agus  sheirbhis.  Tha  geur- 
leanmhuinn  agus  masladh  'g  a  fhulang  an 
diugh  air  sgath  Chriosd,  agus  tha  creidmhich 
an  diugh  ann  an  cearnan  de'n  t-saoghal  a'  dol 
a  chum  priosain,  agus  faodaidh  e  bhith  a  chum 
bais  air  son  an  dilseachd  do'n  t-soisgeul. 

Obair  na  h-eaglais 

Bha  e  riamh  fior  gur  e  fuil  nam  mairtireach 
siol  na  h-eaglaise.  Chuala  sinn  aig  an  Ard- 
sheanadh  mu  bheothachadh  spioradail  a  tha 
air  a  mhothachadh  eadhon  anns  na  h-aitean 
sin  far  am  bheil  e  cunnartach  do  neach  a  bhi 
'g  iarraidh  air  tiis  Rioghachd  Dhe  agus  fhir- 
eantachd-san.  Tha  e  'n  a  aobhar-gairdeachais 
gu'm  bheil  na  cinnich  an  duthchannan  cein 
a'  toirt  comh-fhreagradh  an  diugh  do  naidh- 
eachd  slainteil  an  t-soisgeil  mar  nach  robh  iad 
riamh,  ach  tha  e  'n  a  chiiis-naire  gu'm  bheil 
sinne  a  dh'altrumadh  an  duthaich  shoisgeulach 
cho  mall  agus  cho  coma  ann  a  bhi  toirt  cothroim 
dhoibh  sin  a  bhi  air  an  cruinneachadh  a  steach 
do'n  chro. 

Tha  a  nis  suas  ri  sia  bUadhna  bho  'n  thoisich 
lughdachadh  anns  an  airgiod  a  tha  an  eaglais 
againne  a'  tional  air  son  craobh-sgaoileadh  an 
t-soisgeil  an  duthchannan  cein.  Tha  an  Com- 
mittee ris  am  bheil  an  obair  so  an  earbsa  ann 
am  fiachan  troma,  agus  sin  a  chionn  spiocair- 
eachd  moran  de  choimhthionalan  nach  'eil 
a'  cuideachadh  leis  an  aobhar  mar  a  dh'  fhaod- 
adh  iad.  Saoilidh  gach  neach  nach  fhiach 
am  beagan  cuideachaidh  as  urrainn  dha-san 
a  dheanamh,  ach  thugamaid  fainear  rud  air 
an  do  smuainich  moran  againn  cheana  agus 
a  chaidh  a  chur  am  briathran  dhuinn  aig 
an    Ard-sheanadh    leis    an    Ollamh    Lachlann 


Mac  Gilleathain  Mac  Bhatair.  Ceannaichidh 
tu  le  aon  sgillinn  gach  latha  paipear-naigh- 
eachd  nach  tabhair  ach  mu  uair  a  shide  de 
leughadh  dhuit,  agus  cosdaidh  tu  an  sgillinn 
sin  gun  mhoran  smuain.  Ach  na'n  tugadh 
gach  neach  a  tha  ceangailte  ri  Eaglais  na 
h-Alba  seachad  mar  thabhartas  aon  sgillinn  a 
bharrachd  's  an  t-seachduin  na  tha  e  cleachdadh 
a  thoirt,  bheireadh  sin  ann  an  aon  bhliadhna 
ceithir  cheud  mile  punnd  Sasunnach  (£400,000) 
a  bharrachd  de  thighinn-a-stigh  do'n  eaglais, 
agus  bhiodh  an  da  chuid  na  fiachan  mora  a  tha 
'g  a  cudthromachadh  a  nis  air  am  paigheadh 
gu  h-iomlan  agus  cearnan  iira  air  an  toirt  fo 
eisdeachd  na  f  irinn. 

Aig  an  tigh 

Thubhairt  Dean  Inge  uair-eigin  nach  ruig 
neach  a  leas  dol  do  Africa  a  dh'  fhaotainn  an 
duine  bhorb,  oir  gheibhear  e  aig  ar  dorsan. 
Tha  daoine  gun  Dia  agus  gun  dochas — 
aireamh  mor  diubh — 'n  ar  measg  fhein  an 
Alba,  agus  tha  an  eaglais  a'  stri  ri  an  ruigheachd 
air  gach  doigh  a  tha  dligheach.  Tha  an 
t-Abstol  Pol  ag  radh,  "  Bha  mi  's  an  uile  chruth 
do  na  h-uile,  chum  air  gach  uile  dhoigh  gu'n 
saorainn  cuid-eigin "  (1  Cor.  ix.  22).  Feum- 
aidh  an  eaglais  a  bhi  mar  bha  Pol,  a'  coinn- 
eachadh  ris  gach  seorsa  air  an  grunnd  fein, 
'g  a  deanamh  fein  'n  a  seirbhiseach  do  na 
h-uile  chum  gu'n  coisinn  i  an  tuilleadh,  eadhon 
a'  dol  a  mach  gus  na  rathaidibh  mora  agus 
na  garaidhibh  chum  an  co-eigneachadh  gu 
bhi  deanamh  an  roghainn  mhoir — "  Cia  fhad 
a  bhitheas  sibh  's  an  iomadh-chomhairle  eadar 
dha  bharail  ?  Ma's  e  an  Tighearna  as  Dia 
ann  leanaibh  e,  ach  ma's  e  Baal  leanaibh  esan." 

Chuala  sinn  mu  na  h-oidhirpean  mora  a  tha 
an  eaglais  a'  deanamh  anns  na  bailtean  mora 
agus  air  an  duthaich  a  Shabaid  agus  a  sheach- 
duin  chum  slainte  an  t-soisgeil  'na  uile  lanachd 
agus  eifeachd  a  charadh  ris  a'  mhor-shluagh. 
Tha  moran  de  eaglaisean  ura  'g  an  togail  am 
measg  nan  tighean  lira  a  tha  air  sgaoileadh 
mu'n  cuairt  air  na  bailtean  mora. 

Urachadh  spioraid 

Bha  moran  eile  ri  f  haicinn  agus  ri  chluinntinn 
aig  an  Ard-sheanadh,  ach  o'n  a  bha  iomradh 
air  a  dheanamh  air  a'  chuid  bu  mhotha  dhiubh 
anns  na  paipearan  cha  ruigear  a  leas  dad  a 
radh  mu'n  deidhinn  an  so.  Ach  feumar  so  a 
radh.  Is  e  togail  mhor  spioradail  a  tha  ann  a 
bhi  an  lathair  aig  coinneamhan  an  Ard-shean- 
aidh.  Ged  nach  bitheadh  de  bheannachd 
'n  a  chois  ach  an  t-iirachadh  spioraid  agus  am 
fosgladh-inntinn  a  bheir  e  do  neach — coma 
CO  e  no  i,  ministear  no  eildeir  no  bean — 
b'  fhiach  an  t- Ard-sheanadh  bhi  air  a  chumail 
suas.     Ach    tha   barrachd    feum    na    sin    ann. 


AIG  AN  ARD-SHEANADH— ANNS  A'  CHATHAIR 


Tha    e    a'    foillseachadh    farsuingeachd    agus 

lionmhorachd    oibre    na    h-eaglaise,    agus    sin 

I      uile    air    a    steidheachadh    air    an    t-saothair 

!      dhUeas  a  tha  dol  air  adhart  o  latha  gu  latha 


anns  na  coimhthionalan.  Is  ann  mar  so  a 
thogar  ballaichean  lerusaleim — gach  aon  a' 
caradh  a'  chuid  de'n  bhalla  a  tha  fa  chomhair 
a  thiffhe  fein. 


Anns  a'  Chathair 


BHA  muinntir  Eachainn  Choinnich  mor 
dhiubh  f  hein  co  dhiu  ach  chaidh  iad  thar  na 
cailce  gu  buileach  an  la  a  bha  Iain  air  a  thiodh- 
lacadh. 

Cha  robh  ann  an  Iain  ach  diii  nam  fear  ;  droch 
dhuine  nach  do  rinn  maith  dha  fein  no  do  neach 
eile  riamh,  agus  a  ghiorraich  a  bheatha  le  61 
agus  ruidhtearachd.  Ged  nach  robh  e  ach 
deich  bliadhna  fichead  an  uair  a  shiubhail  e  bha 
ceathrar  de  chloinn  dhiolain  aige,  rud  a  dh' 
aobharaich  bron  agus  briseadh-cridhe  do  mhoran 
dhaoine  agus  do  mhoran  theaghlaichean  uile 
laithean  am  beatha.  Cha  robh  ni  air  an  t- 
saoghal  a'  tighinn  foidhe  ach  deoch  agus  a 
thoil-inntinn  f  hein  ;  cha  tug  e  riamh  bonn-a-sia 
do  Dhia  no  do  dhuine ;  do'n  eaglais  no  do'n 
bhochd  ;  bha  a  chosnadh  uile  a'  dol  a  shasuchadh 
ana-mianna  f  hein.  Fior  thrusdar  ain-diadhaidh, 
a  bha  cho  drabasta  'n  a  theangaidh  's  a  bha  e 
salach  'n  a  chridhe,  gun  aon  ni  maith  ann  ach 
a  mhain  gu  robh  fuasgladh-facail  aige,  agus  gu 
rachadh  aige  air  gaire  a  thoirt  air  na  companaich 
a  bhiodh  ag  61  c6mhla  ris. 

Bha  a'  chaitheamh  diithchasach  dha  co  dhiu, 
is  chuir  e  gaiseadh  ann  f  hein  leis  na  daoraichean 
a  bhitheadh  e  a'  gabhail  anns  an  Oban,  agus 
ann  an  Grianaig,  agus  anns  na  h-aitean  eile  far 
am  bitheadh  na  bataichean  air  am  robh  e  'n  a 
laimh  a'  tadhall.  Oidhche  fhuar  gheamhraidh 
a  chaidil  e  fo  thoscaid  air  ceidhe  Ghrianaig, 
agus  an  daorach  air,  fhuair  e  a  leithid  de 
mheileachadh  's  gu'n  tainig  e  gu  pleurisy. 

Bha  e  ann  an  ospidal  tri  miosan,  agus  an  sin 
thugadh  dhachaidh  e  do  Chille-sgumain,  far 
an  robh  e  eadar  an  teine  agus  an  leaba  tri 
miosan  eile  gus  an  do  chaochail  e. 

Air  iompachadh 

Bhitheadh  an  t-Urramach  Niall  Mac  Phar- 
lain,  B.D.,  agus  am  ministear  Baisteach  a'  dol 
'g  a  amharc  gu  trie,  a'  leughadh  agus  ag 
tirnuigh  c6mhla  ris.  Feasgar  a  bha  am 
ministear  Baisteach  ag  tirnuigh  c6mhla  ris 
ghlaodh  Iain  Eachainn  Choinnich,  m'  an  do 
sguir  am  ministear  a  dh'  tirnuigh,  gu  robh  e  a' 
faicinn  Chriosd  m'a  choinneamh  air  a'  chrann- 
cheusaidh  cho  soilleir  's  ged  b'  ann  air  an  taobh 
eile  de'n  t-se6mar  a  bha  e,  agus  gu  robh  e  'g 
a  f  haireachduin  f  hein  cho  aotrum  agus  cho  sona 
's  gu  robh  e  cinnteach  gu  robh  a  pheacaidhean 
air  an  dubhadh  as  gu  siorruidh,  agus  gu  robh 
e  air  iompachadh. 


Rinn  am  ministear  Baisteach  gaii'deachas' 
a'  cluinntinn  a'  ghille  ag  aideachadh  gu  robh 
e  air  a  spionadh  mar  aithinne  as  an  teine  agus 
air  a  shaoradh  tre  ghras  an  Tighearn  losa 
Criosd.  Ged  bha  e  'n  a  dhuine  eudmhor, 
soisgeulach,  bha  e  toilichte  gur  e  e-fhein  agus 
nach  e  Niall  Mac  Pharlain  a  bha  ag  urnuigh 
c6mhla  ri  Iain  Eachainn  Choinnich  an  uair  a 
bha  e  air  iompachadh,  agus  an  oidhche  ud 
chaidh  e  dhachaidh  agus  aotrumas  'n  a 
cheum  agus  'na  chridhe,  a'  cuimhneachadh 
air  na  briathran  so,  "  Dealraichidh  iadsan  a 
thionndaidheas  moran  gu  fireantachd  mar  na 
reultan  gu  saoghail  nan  saoghal." 

Chaidh  an  naidheachd  air  feadh  Chille- 
sgumain  ann  an  ceithir-uaire-fichead  gu  robh 
Iain  Eachainn  Choinnich  air  iompachadh.  Bha 
a  h-uile  duine  toilichte  an  sgeul  mhaith  sin  a 
chluinntinn,  agus  fhios  aca  gu  robh  am  bas  am 
bun  a  thinneis.  Ged  nach  bu  toigh  le6  an 
duine  idir  chaidh  sin  uile  as  an  t-sealladh  a  nis, 
oir  bha  iad  a'  sealltuinn  air  mar  neach  anns  an 
robh  cumhachd  agus  gloir  Dhe  air  am  foill- 
seachadh, agus  a  bha  mar  sin  air  a  dheanamh 
'n  a  shoitheach  taghta  agus  naomh  ris  nach  bu 
ch6ir  beantuinn. 

Duine  bruidhneach 

Co  dhiu  b'e  na  bha  de  dhaoine  a  dol  'ga 
fhaicinn  a  chuir  at  'n  a  cheann,  no  co  dhiu 
b'e  gne  an  teaghlaich  d'  am  buineadh  e  a 
th6isich  air  ^ighinn  am  foUais,  chan  'eil  fhios 
agam,  ach  ann  an  uine  ghoirid  an  deidh  dha  a 
bhi  air  iompachadh  cha  b'  ann  idir  mar  aith- 
reachan  iriosal  agus  diuid,  a  theab  a  bhi  air  a 
chall,  ach  a  bha  air  a  shaoradh  mar  tre  theine,  a 
labhradh  Iain  ris  an  fheadhainn  a  rachadh  'g  a 
fhaicinn,  ach  mar  shearmonaiche  air  nach  robh 
eagal  no  amharus  d'a  thaobh  fhein,  agus  nach 
robh  fiata  no  narach  an  lathair  dhaoine  coire 
a  bha  leantuinn  Chriosd  m'  an  do  rugadh  e. 

Dh'  innseadh  e  do'n  h-uile  duine  a  rachadh 
a  steach  'g  a  fhaicinn  mu'n  t-sealladh  a  chunnaic 
e  air  Criosd  air  a'  chrann-cheusaidh,  agus  mu 
na  faireachduinean  sona  agus  iongantach  a 
thainig  'n  a  chridhe  am  feasgar  a  bha  e  air 
iompachadh,  agus  dh'  innseadh  e  dhaibh  cuid- 
eachd  nach  robh  buaireadh  no  peacadh  air 
bith  a'  cur  dragh  air,  no  eagal  air  roimh  'n  bhas 
bho'n  la  a  fhuair  e  sealladh  air  Criosd,  agus  a 
chual  e  Criosd  ag  radh  ris,  "  An  diugh  bithidh 
tu  maille  rium-sa  ann  am  Parras." 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Dubh-fhacail  an  fhoirbhich 
Bha  so  uile  a'  cordadh  gu  gasda  ri  mhathair 
agus  ris  an  teaghlach,  agus  ri  feadhainn  eile 
a  bhitheadh  a'  dol  'g  a  fhaicinn,  ach  bha  iarmad 
de  dhaoine  glic  agus  diadhaidh  ann  an  Cille- 
sgumain  a  dh'  fhasadh  gu  maith  tioram  agus 
samhach  an  uair  a  thoisicheadh  Iain  Eachainn 
Choinnich  air  an  teagasg  agus  air  labhairt  riu 
mu  na  faireachduinean  solasach  a  bha  'na 
chridhe  agus  am  fadal  a  bha  air  gus  am  biodh  e 
maille  ri  Criosd.  Bha  e  a'  labhairt  anns  an 
doigh  so  oidhche  a  chaidh  Seumas  Mac  an 
Rothaich,  seann  fhoirbheach  diadhaidh  de'n 
Eaglais  Shaoir  'ga  fhaicinn,  ach  ann  am  meadhon 
an  t-seanchais,  thoisich  Seumas  air  bruidhinn 
ris  fhein,  an  eisdeachd  an  tighe  uile,  mu  righ- 
ehathair  nihor  gheal,  air  an  robh  Neach  'n  a 
shuidhe  aig  an  do  theich  neamh  agus  talamh  o 
ghnxjis,  agus  mu  leabhi-aichean  a  bhitheadh 
air  am  fosgladh  chum  breith  a  bhi  air  a  thoirt 
air  na  mairbh  as  na  nithibh  a  bha  sgriobhta 
anns  na  leabhraichean,  a  reir  an  gniomharan. 
Lean  e  air  fad  choig  mionaidean  a'  bruidhinn 
ris  fhein,  ann  an  dubh-fhacail,  ann  an  cosmhal- 
achdan,  agus  ann  an  cainnt  a'  Bhiobuill, 
mu'n  fhirean  Lot  a  bha  fo  champar  le  caithe- 
beatha  neoghlan  nan  aingidh,  mu'n  sgolb  a  bha 
aig  Pol  'n  a  f heoil  air  eagal  gu'n  deanadh  e  uaill, 
agus  mu'n  Uan  a  bha  'n  a  sheasamh  air  sliabh 
Shioin  agus  maille  ris  ceud  agus  da  fhichead 
agus  ceithir  mile  air  an  robh  ainm  Athar-san 
air  a  sgriobhadh  air  clar  an  aodainn,  a'  seinn 
an  orain  nuaidh  an  lathair  na  righ-chathrach, 
oran  nach  b'  urrainn  neach  air  bith  a  sheinn  ach 
an  dream  nach  do  shalaicheadh  le  mnathan. 

An  tiodhlacadh 

An  uair  a  shiubhail  Iain  Eachainn  Choinnich 
rinneadh  torradh  mor  dha  ;  bha  e  air  a  thiodh- 
lacadh  le  moladh  nach  d'fhuair  na  naoimh  no 
na  martaraich.  Leig  am  ministear  Baisteach 
ruith  d'a  theangaidh  gu  buileach,  ag  innseadh 
do  Dhia  mu'n  chreideamh  shoilleir  agus  laidir 
a  bha  aig  an  fhear  a  bha  iad  a'  tiodhlacadh  ; 
ag  innseadh  dha  cuideachd  gu'm  biodh  e  'na 
choinnlear  dealrach  ann  an  neamh,  agus  ag 
iarraidh  air  an  gras-saoraidh  a  dh'  oibrich  cho 
comharraichte  ann  an  Iain  a  dhortadh  orra  uile 
chum  's  gu'm  bitheadh  iad  cho  ullaichte  air 
son  a  bhais  's  a  bha  esan.  Mhol  e  a  mhathair, 
agus  athair,  agus  an  teaghlach  uile,  anns  an 
urnuigh  ;  dh'  innis  e  do  Dhia  mu'n  chomh- 
fhurtachd  agus  mu'n  aire  a  fhuair  e  an  am  a 
thinneis,  agus  thug  e  buidheachas  dha  gu  robh 
leaba-bhais  Iain  'n  a  meadhon-grais  do  mhoran. 

Chord  so  gu  gasda  ri  cuid,  ach  bha  cuid  eile 
leis  an  robh  e  gle  chiar,  agus  a  bha  seachd  sgith 
de'n  iirnuigh  fada  m'an  do  sguir  am  ministear. 

An  tiomnadh 
Seaehduin  m'   an  do   shiubhail  e  rinn   Iain 
Eachainn  Choinnich  tiomnadh,  tiomnadh  as  an 


robh  a  mhathair  cho  mor  's  gu'n  tug  i  air  an 
Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D.,  a  leughadh 
air  la  an  tiodhlacaidh  an  lathair  an  t-sluaigh. 
Thubhairt  i  ris  an  teaghlach  roimh  laimh  gur 
ann  air  ministear  na  sgireachd  a  dh'  iarradh 
iad  an  tiomnadh  a  leughadh  a  chionn  gu  robh 
ministearan-sgire  suas  ris  an  obair  sin  ged  nach 
robh  iad  maith  air  na  mairbh  a  mholadh.  An 
uair  a  chunnaic  Niall  Mac  Pharlain  ciod  a  bha 
anns  an  tiomnadh  bha  cho  maith  leis  dleasdanas 
eile  a  ghabhail  os  laimh,  ach  air  eagal  bean 
Eachainn  a  ghoirteachadh  air  la  an  tiodhlacaidh 
rinn  e  mar  a  dh'  iarradh  air,  is  leugh  e  an  tiom- 
nadh. B'e  so  tiomnadh  Iain  Eachainn  Choin- 
nich, tiomnadh  a  chuir  a  mhathair  an  clodh, 
ann  an  litrichean  mora  liomhach,  agus  a  tha 
nis  an  crochadh  ann  an  freum  air  balla  an  t- 
seomair  : 

"  Airgiod  no  or  chari  'eil  again  ri  fhagail,  ach 
tha  mi  a'  fagail  mo  hheannachd  aig  a  h-uile  duine 
an  Giles gumain,  agus  a'  guidhe  oirbh  mo  choinn- 
eachadh  ann  an  neamh." 

An  sin  thubhairt  am  ministear  Baisteach  gu'n 
seinneadh  iad  laoidh,  An  Dachaidh  Bhuaii,  ach 
m'  an  do  sheinneadh  an  laoidh,  thubhairt  e  riu 
gu'n  d'  fhuair  iad  dileab  luachmhor  anns  na 
briathran  soluimte  a  labhair  an  gille  grinn  riu 
o  bhruach  na  h-uaighe,  agus  gu  robh  e  an  dochas 
nach  ann  ann  am  peanas  buan  a  bhitheadh  an 
cuibhrionn  aca  ach  maille  ri  Iain  Eachainn 
Choinnich  ann  an  gloir. 

Cuid  a  sheinn  an  laoidh,  agus  cuid  nach  do 
sheinn  ;  thug  na  chual  iad  bhuapa  an  anail 
agus  an  cainnt.  Fad  na  h-iiine  a  bha  An 
Dachaidh  Bhuan  'g  a  seinn  bha  Seumas  Mac  an 
Rothaich  a'  sealltuinn  air  an  speur  mar  gu'm 
biodh  e  a'  feuchainn  ri  dheanamh  a  mach  co 
dhiu  a  bha  e  a'  faicinn  iolair  no  giadh-glas  eadar 
e  's  a'  ghrian. 

****** 

An  t-seachduin  ud  fhein,  anns  a'  cheart 
chladh,  bha  seana  bhoirionnach  air  a  tiodhlacadh 
gun  straighlich,  gun  mholadh,  agus  gun  An 
Dachaidh  Bhuan  a  bhi  air  a  seinn  ;  Mairi  Nic 
Leoid,  seanmhair  fear  de  na  paisdean  diolain 
leis  an  do  mheudaich  Iain  Eachainn  Choinnich 
amhghar  agus  bron  an  t-saoghail. 

Bha  Mairi  Nic  Leoid  'n  a  boirionnach  cho 
ciuin  agus  cho  faidhidinneach  's  a  bha  riamh 
's  an  t-saoghal,  ach  bha  feum  aice  air  a  bhi 
faidhidinneach,  oir  fad  uile  laithean  a  beatha 
bha  trioblaid  an  deidh  trioblaid,  agus  call  an 
deidh  calla,  a'  tighinn  oirre,  mar  gu'n  dichuimh- 
nicheadh  Dia  a'  ghaoth  gharbh  a  chasg  ann  an 
la  na  gaoithe  an  ear.  Dh'  fhagadh  i  'n  a  ban- 
traich  le  ochdnar  chloinne  gu  maith  bg  ;  shiubh- 
ail a  teaghlach  aon  as  deidh  aoin,  gus  mu 
dheireadh  an  robh  i  air  a  fagail,  lom  a  dhaoine 
agus  lom  a  chuid,  le  aon  ghille  a  bha  aig  an 
nighinn  a  b'  oige,  caileag  laghach  dheusanta 


ANNS  A'  CHATHAIR— OBAIR  DHIOMHAIN 


a  bha  air  a  cur  air  seachran  leis  an  trusdar  gun 
choguis  Iain  Eachainn  Choinnich.  Cha  d' 
fhuair  a'  chaileag  riamh  os  cionn  na  thachair 
dhi  ;  eadar  a  naire,  agus  briseadh-cridhe^  agus 
nach  robh  i  laidir  co  dhiu,  shiubhail  i  m'  an  robh 
am  paisde  ach  bliadhna.  Thog  a  sheanmhair 
an  gille,  is  bha  e  dhi  mar  chlach  a  siila,  ach  an 
uair  a  bha  e  deich  bhadhna,  bha  e  air  a  bhathadh 
mu  choinneamh  a  siil  ann  an  geodha  anns  an 
deachaidh  e  air  snamh. 

An  cupan  Ian 

Cha  robh  Mairi  Nic  Leoid  i  fhein  laidir,  ach 
cha  bhitheadh  i  a'  gearan.  'Na  seann  aois 
thainig  loinidh  agus  siataig  oirre,  is  bhitheadh 
cramp  cho  dona  a'  tighinn  'n  a  casan  anns  an 
oidhche  's  nach  b'  urrainn  i  fantuinn  anns  an 
leabaidh.  Dh'  fhas  i  dall,  agus  mu  dheireadh 
thall,  thoisich  cancer  anns  a'  chich-shlugain 
aice,  air  chor  agus  nach  robh  i  uair  no  mionaid 
de'n  la  gun  phian.  Ach  am  measg  nan  uile 
thrioblaidean  a  thainig  oirre  cha  do  chaill  i 
riamh  a  ciuine  no  a  faidhidinn,  no  a  h-earbsa 
ann  an  Dia.  Bha  i  'n  a  boirionnach  beusach 
gaolach  ;  iriosal  'n  a  cainnt,  agus  'n  a  giiilan, 
agus  'n  a  smuaintean  ;  iriosal  agus  macanta 
am  fianuis  dhaoine,  ach  iriosal  gu  sonruichte  an 
lathair  Dhe,  agus  a  thaobh  a  dochais  ris  a' 
bheatha  mhaireannaich. 

Aig  a'  cheart  am  anns  an  robh  an  sgleapaire 
ud,  Iain  Eachainn  Choinnich,  a'  boilich  mu'n 
ghloir  a  bha  feitheamh  air  aig  deas-laimh 
Chriosd,  na'n  abradh  tu  ri  Mairi  Nic  Leoid  gu 
robh  ionad-comhnuidh  maiseach  a'  feitheamh 
oirre  ann  an  tigh  a  h-Athar,  theireadh  i  riut, 
agus  theireadh  i  e  cho  treibhdhireach  ri  aingeal 
naomh,  Och,  Och,  a  ghaoil,  nach  bu  leor  d'am 
leitliid-sa  cuil  bheag  far  nach  bithinn  uile  gu 
leir  air  mo  dhiinadh  a  mach  bho  lathaireachd 
an  Righ  ! 

Feath  an  deidh  stoirme 

Mios  m'an  do  *shiubhail  i  dh'  f  hulling  Mairi 
Nic  Leoid  plan  mor,  is  bha  na  coimhearsnaich. 


a  bha  uile  gaolach  oirre,  toilichte  an  uair  a 
thainig  am  bas  a  thoirt  fois  d'a  corp  bochd. 

Is  e  an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain,  B.D., 
a  rinn  an  t-seirbhis  aig  an  tigh  agus  anns  a' 
chladh  air  la  an  tiodhlacaidh.  An  deidh  dha 
an  t-salm  so  a  leughadh, 

Ghlaodh  iad  ri  Dia  'n  an  teinn,  is  shaor 

e  iad  o'n  trioblaid  gh6ir, 
Ghrad-chuireadh  leis  an  stoirm  gu  feath 
's  na  tuinn  'n  an  tamh  gu  leir. 

An  sin  tha  iad  ro  ait,  air  son 

gu  bheil  iad  skmhach  beo, 
'S  gun  d'thug  e  iad  do'n  chala  sin 

's  do'n  phort  bu  mhiannach  leo. 

rinn  e  iirnuigh,  agus  ged  nach  dubhairt  e  a' 
bheag  mu  Mhairi  thug  e  buidheachas  do  Dhia 
air  son  na  faidhidinn  a  thug  e  dhi  am  measg 
trioblaidean  a  beatha,  agus  buidheachas  air 
son  dochas  na  beatha  maireannaich. 


Air  an  ath  Shabaid  rinn  am  ministear  Bais- 
teach  searmon  mor  fada  mu  bhas  Iain  Eachainn 
Choinnich,  agus  mu  chumhachd  grais,  a' 
bruidhinn  air  iompachadh  agus  air  soilleireachd 
a  chreidimh  mar  gu'm  bitheadh  e  a'  bruidhinn 
mu'n  abstol  Pol,  ach  cha  robh  iomradh  aige  air 
Mairi  Nic  Leoid,  no  air  cumhachd  a  ghrais  a 
chiim  i  o'n  chlabar  anns  an  do  thuit  Iain  gu 
ruige  an  amhach,  agus  a  chuidich  leatha 
tighinn  beb  gu  seann  aois  gu  h-iriosal,  agus  gu 
diadhaidh,  agus  gu  faidhidinneach. 

Air  feasgar  na  Sabaid  chaidh  da  fhichead 
agus  a  dha  dheug  duine  (daoine  oga)  do'n 
chladh  a  dh'  fhaicinn  uaigh  Iain  Eachainn 
Choinnich,  agus  gun  aobhar  aca  air  a  shon  ach 
gu'n  do  rinn  e  tiomnadh  neqnach  agus  gu'n 
robh  daoine  a'  bruidhinn  uime. 

Ciod  is  fhearr  daoine  na  na  caoraich,  no  ma 
thoilicheas  tu,  na  na  gobhair  ? 


Obair  dhlomhain 

"Air  dha  toil  a  bhi  aige  e  fein  fhireanachadh." — Lucas,  x.  29. 


M^ 


A  dh'  fheoraicheas  tu  de  dhuine  nach  'eil 
a'  coimhead  na  Sabaid,  no  nach  'eil  a'  dol 
do'n  eaglais,  car  son  nach  'eil  e  a'  deanamh  sin, 
is  docha  gu'n  abair  e  riut  "  gu  bheil  e  a  cheart 
cho  maith  ris  an  fheadhainn  a  tha."  Sin  an 
doigh  anns  am  fireanaich  e  e-fhein. 

Ciod  an  fhreagairt  cheart  do  dhuine  de'n 
t-seorsa  sin  ?  Ma  dh'  aontaicheas  tu  leis 
(am  bitheantas  tha  diiil  aige  gu'n  dean  thu 
sin),  agus  ma  their  thu  gu  bheil  fhios  agad 
gu  bheil  e  'n  a  dhuine  maith,  theagamh  nach 
deanadh  sin  ach  fhein-speis  a  sheideadh  suas 
na  bu  mhiosa. 


Agus  ma  their  thu  nach  'eil  thu  a'  creidsinn 
gu  bheil  e  cho  maith  's  a  tha  e  an  diiil,  no  gu 
bheil  e  coltach  ris  na  Pharasaich,  chuireadh 
sin  an  fhearg  air,  agus  bhitheadh  an  gnothuch 
na  bu  mhiosa  air  fad. 

P'acal  air  bith  a  chuireas  fearg  air  do  bhrathair 
chan  'eil  e  glic  dhuit  am  facal  sin  a  labhairt, 
eadhon  ged  bhitheadh  e  fior,  oir  chan  eisd 
duine  feargach  ri  teagasg  no  ri  comhaii*le. 

Is  e  an  fhirinn  nach  'eil  e  furasda  a  radh 
ciamar  is  coir  dhuit  duine  aig  a  bheil  toil  e 
fhein  f hireanachadh  a  fhreagairt. 

Ma  bhitheadh  e  cearr  dhuit  aontachadh  leis 


8 


OBAIR  DHIOMHAIN— AIG  AN  UINNEIG 


bhitheadh  e  a  cheart  cho  cearr  dhuit  dol  ann 
an  argumaid  ris. 

Mar  sin  is  fhearr  dhuit  a  bhi  'n  ad  thosd ; 
gun  dad  idir  a  radh,  agus  a'  chuis  fhagail 
eadar  e  fhein  agus  a  choguis,  oir  chan  fheuch- 


adh   duine   ri   e  fhein   ffiireanachadh    idir   mur 
bitheadh  a  choguis  'g  a  bhioradh. 

Agus  is  e  a  choguis  fhein  agus  an  Spiorad 
Naomh  an  da  chumhachd  a  ni  obair  spioradail 
ann  an  cridhe  duine. 


Comharraidhean  na  h-aimsir 

IS  gasda  an  riid  suairceas  agus  braithreachas 
eadar  coinihearsnaich  agus  eadar  eaglaisean, 
oir  buinidh  suairceas  agus  braithreachas  do'n 
diadhaidheachd  a  cheart  cho  cinnteach  ri  eud 
air  son  na  Firinn  no  na  Sabaid. 

Chaidh  Moderator  na  h-Eaglaise  againne 
a  null  am  bliadhna  gu  Seanadh  na  h-Eaglaise 
Saoire,  a  thoirt  a  bheannachd  fein  agus  beann- 
achd  a  bhraithrean  dhaibh.  An  uair  a 
chaidh  e  a  steach  dh'  eirich  an  Seanadh  uile 
'n  an  seasamh,  is  chuir  an  t-Ollamh  DomhnuU 
Mac  Gilleathain,  ceann-suidhe  an  t-Seanaidh, 
failt  air  ann  an  Gaidhlig.  An  sin  bhruidhinn 
an  t-Ollamh  Diighall  Mac  Pharlain  mionaid 
no  dha  mu'n  obair  a  tha  an  da  eaglais  a' 
deanamh  anns  a'  Ghaidhealtachd,  taobh  ri 
taobh,  agus  mu'n  atharrachadh  a  thainig  air 
an  t-saoghal  bho  bha  iad  le  cheile  'n  am 
balaich.  "  Ach  ma  thainig  atharrachadh  air 
an  t-saoghal  agus  air  doighean  dhaoine," 
ars'  esan,  "  cha  tkinig  atharrachadh  air  na 
firinnean  mora  air  a  bheil  an  da  eaglais  a' 
seasamh,  agus  a  tha  iad  a'  teagasg  le  iighdarras 
an  Fhacail  Shiorruidh." 

Fhreagair  Moderator  na  h-Eaglaise  Saoire 
ann  am  briathran  a  bha  glic  agus  ciiiin  agus 
air  an  deagh  thaghadh  ;  thug  e  taing  do'n 
OUamh  Mac  Pharlain  air  son  tadhall  orra, 
is  dh'  iarr  e  air  a  bheannachd  a  thoirt  do  na 
braithrean  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  agus 
innseadh  dhaibn  gu  robh  an  Eaglais  Shaor 
daonnan  deas  gu  bhi  a'  comh-oibreachadh 
maille  riu,  cho  fad  's  nach  cuireadh  sin  grabadh 
oirre  a  thaobh  na  fianuis  shonruichte  a  tha  i 
a'  togail  an  Albainn  ;  fianuis  a  bheannaich 
Dia  anns  na  laithean  a  dh'  fhalbh,  agus  a 
tha  an  Eaglais  Shaor  a'  feuchainn  ri  chumail 
beo  an  diugh  le  comhnadh  an  Spioraid  Naoimh. 
"  Tha  e  iomchuidh,"  ars'  esan,  "  gu'n  nochd- 
amaid  do'n  t-saoghal  gur  braithrean  a  tha 
anns  na  h-uile  dhaoine  a  tha  creidsinn  ann  an 
losa  Criosd  mar  an  Tighearn  agus  an  Slan- 
uighear." 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  is  gasda  an 
rud  suairceas  agus  braithreachas  eadar  coimh- 
earsnaich  agus  eadar  eaglaisean.  Chan  'eil 
anns  an  diadhaidheachd  nach  'eil  blath  agus 
braithreil  agus  uasal  ach  an  t-ainm  gun  an 
tairbhe. 

A  Thighearn,  na  ceil  do  shoillse  oirnn 

Sin  an  tiotal  a  chuir  am  Moderator  os  cionn 
na  h-6raid  ghasda  a  thug  e  seaehad  an  uair  a 


Aig  an  Uinneig 


bha  e  a'  dimadh  an  Ard  Sheanaidh,  briathran 
a  b'  abhaist  dha  a  bhi  cluinntinn  ann  an  iirn- 
uighean  athar.  Tha  feum  aig  an  t-saoghal  an 
diugh  air  an  t-solus  a  tha  o  shuas  ;  tha  feum 
aig  an  eaglais  air  buanachadh  ann  an  iirnuigh 
gu'n  leigeadh  Dia  a  sholus  agus  fhirinn  a  mach, 

Tha  an  oraid  so  a  nis  an  clodh  ;  air  a  cur  a 
mach  le  Uilleam  Blackwood  &  a  Mhic,  an  Diin- 
eideann.  Tha  am  Moderator  a'  tighinn  thairis 
air  iomadh  rud  anns  an  oraid,  aig  a  bheil 
ceangal  ris  a'  Ghaidhealtachd  ;  diisgaidhean 
a  bha  innte  anns  na  seann  laithean,  daoine 
a  chum  lochran  na  Firinn  laiste  innte,  na 
meadhonan  leis  an  robh  oigridh  na  Gaidheal- 
tachd  air  an  teagasg  anns  na  sgoilean,  agus 
moran  nithean  eile  mar  sin.  Ach  is  e  an 
fhirinn  nach  gabh  oraid  de'n  t-seorsa  so  a  bhi 
air  a'  tuigsinn  gu  ceart  mur  leugh  duine  i  air 
aithis  fhein  ;  rud  a  bu  choir  do'n  h-uile  duine 
aig  a  bheil  iiigh  ann  an  obair  na  h-eaglais  a 
dheanamh,  oir  chan  'eil  i  a'  cosd  ach  sia  sgillinn. 

Air  taobh-duilleig  6  tha  e  ag  radh  gu  robh 
aireamh  nan  daoine  a  tha  a'  bruidhinn  Gaidhlig 
an  Albainn  53,918  na's  lugha  ann  an  1931 
na  bha  iad  fichead  bliadhna  roimh  sin.  A 
bheil  so  ceart  ?  Ma  tha,  is  rud  muladach  e  ; 
cha  do  shaoil  mi  gu  robh  a'  chilis  cho  dona. 

An  Seanadh  agus  na  Pacifists 

Tha  fhios  aig  ar  luchd-leughaidh  gu  bheil 
na  Pacifists  a'  feuchainn  o  chionn  bhliadh- 
nachan  ris  an  eaglais  iompachadh  gu  am 
beachd  fein,  nach  'eil  e  ceart  do  aon  de  luchd- 
leanmhuinn  Chriosd  cuid  no  pairt  a  bhi  aige 
ann  an  cogadh,  ciod  air  bith  suidheachadh  anns 
a  bheil  an  cogadh  ag  eirigh,  no  ciod  air  bith  as 
aobhar  dha. 

Cheangail  Seanadh  na  h-eaglais  Shaoir 
Aonaichte  an  eaglais  aca  fhein  ris  a'  bheachd 
sin,  ach  tha  Eaglais  na  h-Alba  na's  glice, 
agus  dh'  fhag  i  a'  chuis  far  an  coir  e  bhi  air 
fhagail,  eadar  Dia  agus  coguis  gach  duine. 

So  mar  a  shuidhich  an  Seanadh  a'  chilis, 
'  'Tha  an  Seanadh  de'n  bheachd  gur  e  aon 
de  cheud  dhleasdanasan  Chriosduidhean  uile 
feuchainn  ri  cogadh  a  chur  as,  ach  do  bhrigh 
nach  urrainnear  a'  cheist  so  fhuasgladh  le 
briathran  no  le  teagasg  Chriosd  (a  chionn 
nach  do  bhean  e  rithe  idir),  tha  an  Seanadh 
a'  cur  an  ceill  gur  ceist  i  air  am  faod  eadar- 
dhealachadh  beachd  a  bhi  aig  muinntir  na 
h-eaglais,  gun  aobhar  a  bhi  aig  an  dara 
feadhainn  a  radh  gu  bheil  iadsan  na's  dilse  do 
theagasg  Chriosd  na  'n  fheadhainn  eile," 


Aireamh  8 


937 


An  Fhuaim  Aoibhneach 

Leis  an  Urkamach  Alasdaih  Mac  Fhionghuin,  B.D.,  Ph.D.,  an  Cill-mo-Naomhaig 

(Bha  an  searmon  so  air  a  liubhairt  air  beulaibh  Fear-ionaid  an  Righ  agus  maithean  an  Ard- 
sheanaidh,  anns  an  Eaglais  Ard,  an  Diin-eideann,  an  t-Sabaid  a  bha  an  Seanadh  cruinn.) 

"  Is  beannaichte  an  sluagh  d'an  aithne  an  fhuaim  aoibhneach  :  imichidh  iad,  a  Thighearn,  ann  an  solus  do 
ghnuise  ;  ann  ad  ainm-sa  ni  iad  gairdeachas  air  feadh  an  la  :  agus  arm  ad  fhtreantachd  ardaichear  iad,'' 
— Salm  Lxxxix,  15-16. 


THA  e  air  aithris  gu'n  robh  e  'na  chleachdadh 
aig  sluagh  Israeil  a  bhi  a'  coinihead  laithean- 
feill,  anns  am  bitheadh  iad  ag  iirachadh  an 
cuimhne  air  toiseach  an  eachdraidh,  agus  air  an 
t-saorsa  a  dh'oibrich  Dia  d'an  athraichean.  Aig 
na  h-amanna  sin  bhitheadh  diidaichean  g'an 
seideadh  feadh  nam  bailtean  agus  na  duthcha 
gu  leir.  Mar  an  ceudna,  bhitheadh  aoradh 
Dhe,  leis  an  robh  gach  feill  a'  toiseachadh,  'ga 
fhosgladh  le  iollach  thrompaidean.  Tha  e  gle 
choltach  gu'm  b'e  sud  an  fhuaim  aoibhneach  a 
bha  air  aire  an  t-Salmadair. 

Do  na  h-uile  a  chluinneadh  i,  bha  an  fhuaim 
ud  tachdmhor  ;  oir  nach  robh  i  g'  an  gairm  o 
shaothair  gu  feill  ?  Ach  bha  i  beannaichte  a 
mhain  dhoibh-san  a  bha  'g  a  tuigsinn ;  'se  sin, 
a  bha  mothachail  air  gras  Dhe  dhoibh  mar 
shluagh,  'g  an  taghadh,  'g  an  saoradh  o  fhoir- 
neart  na  h-Eiphit,  'g  an  treorachadh  tre  an 
fhasaich  chlaoidhtich,  'g  an  dion  o  'n  naimhdibh, 
agus  'g  an  suidheachadh  ann  an  Tir-a-Gheall- 
aidh.  Bu  bheannaichte  an  sluagh  a  bha  a' 
cluinntinn  so  uile  ann  am  fuaim  dhiidach  agus 
thrompaidean  ;  oir  cha  b'e  a  mhain  gu'n  do 
thachair  a  leithid  dhoibh  mar  shluagh  ;  ach  bha 
sin  uile  'na  steidh  dochais  agus  mar  ghealladh 
air  beannachadh  Dhe  dhoibh  anns  an  tim  ri 
teachd  ;  oir  tha  maitheas  Dhe  neo-chaochlaid- 
each.  Mairidh  f  hirinn  agus  a  throcair  o  Unn  gu 
linn. 

Tii  beannachdan  mora 

Tha  an  Salmadair  a'  cur  far  comhair  an  so 
tri  beannachdan  mora  agus  priseil  a  bhuineas 
dhoibh-san  uile  a  tha  a'  tuigsinn  na  fuaime 
aoibhnich ;  's  e  sin,  an  t-saorsa  a  tha  Dia  comas- 
ach  air  a  bhi  ag  oibreachadh  'n  a  shluagh.  Chan 
'eil  e  a'  labhairt  an  so  mu  dhleasdanas  dhaoine, 
no  mu  lagh,  no  mu  phrionnspal  a  dh'  fheumas 
am  beatha  a  riaghladh,  ged  nach  'eil  sin  ri 
dhearmad.  Is  ann  air  an  ard  shochairean  a 
mhain  a  tha  e  a'  deanamh  luaidh  aig  an  am  ; 
sochairean  as  eugmhais  nach  bi  slainte  'n  an 
spioradan  no  moran  iarrtuis  no  neart  annta  gu 
beatha  dhleasnach  fein  a  chomh-lionadh. 

Seallamaid  air  na  tri  beannachdan  ciatach  a 


tha  fuaim  aoibhneach  soisgeil  Dhe  a'  seirm 
dhuinn  a  reir  an  t-Salmadair  ;  oir  buinidh  iad 
do'n  t-soisgeul  a  reir  gach  searmonaiche  a  tha 
'g  a  thuigsinn  ;  agus  do  shluagh  an  Tighearna 
anns  gach  linn. 

1.  A'  cheud  bheannachd  :  tha  iad  a'  faighinn 
cursa  shoilleir  air  son  am  beatha.  "  Imichidh  iad 
a  Thighearn,  ann  an  solus  do  ghniiise." 

Aig  ciil-thaobh  inntinn  an  t-Salmadair,  bha 
e  a'  faicinn  Israeil,  gun  chiirsa  beatha  romhpa 
idir,  ach  'n  an  traillean  anns  an  Eiphit,  'g  an 
claoidh  le  saothair  chruaidh,  'g  an  ciiirradh  le 
foirneart,  air  an  cuartachadh  le  balla  de  shaigh- 
dearan  ;  gach  latha  coltach  ri  cheile  am  measg 
nan  clachan-creadha,  ach  gu'm  bitheadh  corra 
latha  na  bu  sheirbhe  dhoibh  na  laithean  eile  ; 
agus  an  deidh  na  truaighe  so  uile,  am  bas.  Tha 
daorsa  daonnan  a'  toirt  a  chridhe  a  mac  an 
duine  ;  agus  ged  a  roghainnicheas  e  a  fulang 
seach  basachadh,  oir  tha  dealradh  na  greine 
priseil  eadhon  do'n  traill,  chan  'eil  ann  ach 
creutair  truagh,  le  uile  bhuaidhean  spioradail  fo 
sprochd.  Amhuil  sin,  tha  saorsa,  mar  anail 
Dhe,  a'  beothachadh  uile  chomasan  duine  ; 
agus  ged  a  dh'  fhaodas  e  a  mi-bhuileachadh,  tha 
i  cho  feumail  dha  is  gur  deoiridh  e  as  a 
h-eugmhais. 

La  na  Saorsa 

Ach  bhris  latha  saorsa  air  Israel  anns  an 
Eiphit.  Chualas  fuaim  aoibhneach  ann  an 
dailtean  an  fhoirneirt,  gu'n  robh  Dia  a'  dol  'g 
an  teasairginn.  Dh'  fhosgladh  bealach  iongan- 
tach  romhpa  ;  agus  an  deidh  a'  bhealaich,  slighe 
anns  an  imicheadh  iad  ann  an  solus  gniiise  Dhe. 
A  dh'  aindeoin  gach  dragha  a  dh'  fhuiling  iad 
agus  gach  gearain  a  rinn  iad  anns  an  fhasach, 
cha  do  thill  Israel  do  'n  Eiphit  ;  oir  bhlais  iad 
air  fion  beo  na  saorsa.  Fhuair  iad  cursa  agus 
ceann-uidhe  air  son  am  beatha,  agus  gairm  d'an 
anamaibh.  Chruth  -  atharraicheadh  iad  mar 
shluagh  :  dh'  eirich  iad  'n  an  spioradan  a'  dh' 
imeachd  ann  an  solus  gnuise  an  Tighearna. 
Tha  an  eachdraidh  so  uile,  saoilidh  mi,  air  cul- 
thaobh  bhriathran  an  t-Salmadair. 


% 


AN  FHUAIM  AOIBHNEACH 


Ach  tha  gnothuch  nach  beag  aige  so  uile 
ruinn  fein.  Tha  feum  diomhair,  domhain  ann  an 
cridhe  gach  duine,  daor  no  saor  'g  am  bheil  e, 
air  a  bhi  a'  faicinn  ciirsa  roimhe  anns  an  imich 
e  ann  an  onair,  a'  cleachdadh  a  chomasan  inn- 
tinn,agus  a'  sealbhachadhtomhaisde  chothrom. 
Cho  luath  is  a  tha  clann  a'  tighinn  dluth  air  a 
bhi  a'  fagail  na  sgoile,  is  i  so  an  dearbh  cheist  a 
tha  ag  iomairt  araon  'n  an  inntinnean  fein,  agus 
ann  an  inntinnean  am  parantan — de  an  ciirsa 
beatha  a  tha  dol  a  bhi  aca.  Bithidh  iad  fo 
iomaguin  agus  imcheist  agus  ann  an  sgaile,  cho 
fad  is  nach  leir  dhoibh  sUghe  anns  an  imich  iad, 
a'  cosnadh  an  loin  agus  a'  buileachadh  an  comas- 
an  gu  cothromach.  Air  an  laimh  eile,  cho 
luath  is  a  dh'  fhosgaileas  bealach  romhpa,  is  a 
chi  iad  ceann-toisich  na  shghe  anns  am  faigh  iad 
an  cothrom  air  am  bheil  iad  an  geall,  tha  iad 
sona  ;  thainig  solus  thuca  a  mach  a  meadhon 
an  dorchadais  ;  agus  a  nis,  theid  iad  air  an 
aghaidh  ann  an  spiorad  togarrach,  deonach, 
dochasach.  Tha  gach  comas  a  bhuilicheadh 
orra  air  a  bheothachadh  annta ;  agus  ged  a  dh' 
fhaodas  iad  a  bhi  fo  chiiram  a  thaobh  na  dh' 
fheumas  iad  ionnsachadh  agus  fhiosrachadh 
mu'm  bi iad comhlionta  aig  an  gnothuch,  togaidh 
iad  orra  mar  gu'm  biodh  iad  a'  dol  gu  banais. 
Is  mor  a'  bhuaidh  a  tha  aig  slighe  fhosgailte  air 
spiorad  an  duine. 

A  rithis,  tha  fhios  againn  uile  gu  bheil  daoine 
a'  call  an  caile  de  'ni  beatha  an  uair  nach  leir 
dhoibh  na's  mo  rathad  anns  an  gluais  iad,  aig 
cosnadh,  no  ann  an  dreuchd,  no  aig  seirbhis  air 
choireigin  anns  am  bheil  fiach  dhoibh  fein  no 
do  dhaoine  eile.  Fasaidh  an  suidheachadh  so 
cho  trom  air  cuid  is  gu'm  b'  fhearr  leo  gu'n 
tigeadh  am  bas  orra,  agus  bithidh  feadhainn 
dhiubh  a'  greasadh  na  criche  ;  tha  iad  cho  sgith 
de  bheatha  aig  nach  'eil  ciirsa  na's  mo. 

Braighdeanas  Spioradail 
Ach  chan  e  foirneartmar  a  bha  a'  teannachadh 
Israeil  anns  an  Eiphit,  no  crannchur  diiinte  a 
mhain  a  chuireas  a  sealladh  dhaoine  an  t-slighe 
air  son  an  d'orduicheadh  iad,  agus  a  spiiinneas 
uatha  an  dochas.  Tha  so  a'  tachairt  dhoibh- 
san  uile  a  dhiiiltas  gairm  Dhe  orra,  agus 
a  roghainnicheas  an  inntinn  fheolmhor  a 
thoileachadh.  Amhuil  a  thachair  do'n  mhac 
struidheil,  bheir  beirm  na  h-eas-umhlachd  is 
a'  chuthaich  togail  agus  othail  dhoibh  re  aimsir ; 
ach  'na  dheidh  sin  uile,  gheibh  iad  iad-fein  air 
chall,  le  cridhe  trom,  amharusach  'n  an  cliabh, 
agus  an  spioradan  fo  neul.  Chan  'eil  e  comasach 
do  dhuine  d'an  aithne  de  a  tha  e  a'  deanamh, 
lagh  Dhe  a  chur  an  suarachas,  gairm  Dhe  a 
dhiiiltadh,  agus  e-fein  a  thoirt  a  suas  do  fhein- 
thoileachadh  toirmisgte  air  bith,  gun  a  bhi 
mothachail  gu  bheil  e  air  seacharan,  gu'n  do 
chaill  e  a  chiirsa  air  son  an  do  chruthaicheadh  e, 
agus  gach  cothrom  ciatach  a  choinnicheadh  air 


anns  an  t-slighe  sin.  Tha  e  a  nis  air  a  chuar- 
tachadh  le  cumhachdan  dorcha  nach  leig  as  an 
gi'eim  e  gus  an  eigin  dhoibh.  Uidh  air  'n  uidh, 
traoghaidh  air  falbh  as  a  chridhe  a'  chuid  as 
fearr  de  bheatha  duine,  agus  thig  suarachas, 
cruas,mi-chreideamh,  agus  eu-dochas  aghabhail 
an  aite.  Mar  sin,  tha  eas-iimhlachd  agus  ar-a- 
mach  a'  deanamh  an  gnothuich  fein  air  daoine, 
araon  a'  toirt  uapa  na  slighe  bheo  agus  'g  an 
diinadh  ann  am  braighdeanas  spioradail. 

Maitheas  Dhe 

Ach,  taing  do  Dhia,  chan  'eil  an  t-slighe 
diiinte,  ged  a  tha  i  a'  dol  a  sealladh  na  muinntir 
a  dhiultas  i.  Tha  i  ann  an  comhnuidh,  agus  tha 
i  fosgailte  romhpa-san  uile  a  dheonaicheas  a 
gabhail.  Cho  luath  is  a  threigeas  an  t-aingidh 
a  shlighe,  agus  an  duine  eu-corach  a  smuain- 
tean,  agus  a  philleas  e  ri  Dia,  chan  e  a  mhain 
gu'm  faigh  e  maitheanas  gu  pailt,  ach  mar  an 
ceudna,  sud  slighe  ard  na  beatha  maireannaich 
a'  fosgladh  roimhe,  agus  ciirsa  chiatach  d  'a 
anam  anns  am  fas  e  ann  an  gUocas,  ann  an 
diadhaidheachd,  ann  an  comas  seirbhis  do  Dhia 
agus  do  dhaoine,  agus  anns  gach  seorsa  maitheis 
a  bhuineas  d  'a  ghne  fo  bhuaidh  an  Spioraid 
Naoimh.  "  Imichidh  iad,  a  Thighearn,  ann  an 
solus  do  ghniiise." 

Fiamh  is  Eagal 

An  robh  sibh  riamh  fo  amharus  gu'n  robh 
eucail  mharbhtach  an  deidh  greim  a  dheanamh 
oirbh  air  chor  is  gu'n  robh  eagal  oirbh  dol  gu 
hghiche  mu'n  daingnicheadh  e  bhur  beachd  ? 
Ma  bha,  abramaid  gu'm  b'  eigin  dhuibh  dol 
thuige  mu  dheireadh.  Rainig  sibh  a  dhorus 
ann  an  carraid  inntinn  is  iomaguin,  ged  a  bha 
deo  fann  de  dhochas  agaibh  ri  comhfhurtachd. 
An  deidh  do'n  lighiche  gach  fiosrachadh  agus 
rannsachadh  a  dheanamh  oirbh  a  bha  feumail, 
abramaid  gu'n  do  thionndaidh  e  oirbh  gniiis 
aoibheil,  agus  gu'n  do  labhair  e  ribh  mar  so — 
"  Tha  mi  a'  tuigsinn  gu  maith  de  tha  a'  cur 
dragha  oirbh  ;  tha  mor  an  a'  gear  an  leis  ;  agus 
leighis  mise  ceudan  a  bu  mhiosa  cor  na  sibh-se. 
Chan  'eil  dad  oirbh  nach  gabh  ceartachadh. 
Ma  ghabhas  sibh  mo  chomhairle  agus  mo  chun- 
gaidh,  bithidh  sibh  gle  shlan  gu  goirid."  Nach 
fagadh  sibh  tigh  an  dotair  ud  air  atharrachadh 
inntinn  seach  an  staid  anns  an  robh  sibh  'ga 
ruigheachd  ?  Gun  teagamh,  dh'  fhagadh. 
Rachadh  sibh  a  mach  as,  a  dh'  imeachd  ann  an 
solus  gniiise  an  dotair  a  dh'  fhosgail  roimhibh 
a  rithis  slighe  na  beatha,  dealrach  le  iomadh 
cothrom  agus  gealladh. 

Is  ann  mar  sin  a  tha  a'  tachairt  dhoibhsan  a 
thig  gu  Dia,  an  deidh  dhoibh  iad  fein  a  mhill- 
eadh,  an  dochas  a  chall,  agus  gun  slighe  ri 
fhaicinn  ach  an  t-slighe  leathunn.  Tha  an 
anam  air  aiseag  dhoibh  air  ais  ;  tha  cursa  na 
beatha  maireannaich  air  a  foillseachadh  dhoibh; 


AN  FHUAIM  AOIBHNEACH 


agus  tha  iad  a'  togail  orra,  le  oran  'n  an  cridhe, 
a  dh'  imeachd  ann  an  solus  gniiise  Dhe. 

An  Sonas  buan 

2.  An  dara  beannachd  :  tha  iad  a'  faighinn 
aohhar  aoibhneis  a  mhaireas.  "  Ann  ad  ainm-sa, 
ni  iad  gairdeachas  feadh  an  la." 

Is  e  gairdeachas  aon  de  phriomh  bheannach- 
dan  Dhe  d'a  chloinn,  a  bheannachd  is  saoibhire 
agus  is  comhfhurtachaile  a  shealbhaichear  leo  ; 
oir  tha  i  ag  iirachadh  is  a'  brosnuchadh  nan 
aignidhean  mar  a  ni  uisge  air  luibhean  agus 
fliiran  a  tha  a'  cromadh  is  a'  seargadh  le  tior- 
machd. 

Tha  dian  iarrtus  ann  an  cridhe  an  duine  air 
gairdeachas  ;  agus  ged  nach  e  gairdeachas  ach 
diadhaidhachd  ard  chrioch  ar  beatha,  fhathast, 
tha  Dia  a'  ciallachadh  gu'm  bitheadh  a  chreut- 
airean  a'  mealtuinn  gairdeachais  am  feadh  is  a 
tha  iad  a'  sireadh  agus  ag  ionnsachadh  gnoth- 
uich  is  airde.  Do  bhrigh  sin,  tha  a  Fhreasdal 
a'  frithealadh  dhuinn  iomadh  aobhar  aoibhneis, 
mar  a  tha  slainte  agus  neart  coluinne,  obair  ion- 
mhiannaichte,  seallana  briagha,  gloir  a'  chruth- 
achaidh,  dachaidh  mhaith,  cairdeas,  compan- 
achas,  is  gradh,  cho  naaith  ri  nithean  beaga  a 
bheir  toileachadh  mor,  mar  a  ni  freagradh 
cuimseach,  facal  abhacach,  ceileireadh  coin  ann 
am  preas,  no  sreath  bhinn  a'  bhaird.  Ach  ged 
a  theirigeadh  cuid  dhiubh  sin  oirnn,  tha  aobhar 
gairdeachais  aig  sluagh  an  Tighearna  nach 
gabh  lughdachadh,  no  miichadh,  no  atharrach- 
adh, — -is  e  sin  ainm  Dhe  air  am  bheil  iad  'n  an 
oighreachan,  agus  a  tha  air  a  sheulachadh 
dhoibh  le  gealladh  is  le  sacramaid,  ainm  an 
Athar,  is  a  Mhic,  is  an  Spioraid  Naoimh.  Tha 
ainm  Dhe  a'  ciallachadh  uile  fhoillseachadh 
Dhe  air  fein,  agus  uile  gras  Dhe  gu  bhi  a' 
tearnadh,  a'  naomhachadh  agus  a'  glorachadh 
a  shluaigh.  Caillidh  duine  mu  dheireadh  a 
ghean  is  a  ghairdeachas  gu  buileach,  is  thig  tuar 
a'  bhais  chan  ann  a  mhain  air  a  ghniiis,  ach  mar 
an  ceudna  air  a  spiorad,  mur  'eil  a  mhuinighin 
suidhichte  air  ainm  Dhe,  agus  a  bheatha  fol- 
aichte  ann.  "  Rachadh  mo  mhisneach  uile  air 
chill,  mur  creidinn  maitheas  Dhe."  An  uair  a 
tha  duine  a  'dol  'na  leithid  do  dhaimh  is  do 
chomh-bhoinn  ri  Dia  is  gu  bheil  uile  earbsa  aige 
nach  bi  bas  no  beatha  no  nithean  a  tha  a  lathair, 
no  nithean  a  tha  ri  teachd,  no  airde  no  doimhne, 
no  creutair  air  bith  eile  comasach  air  a  sgaradh 
o  ghradh  Dhe,  tha  e  ann  an  sealbh  air  rim- 
diomhair  a'  ghairdeachais  a  mhaireas. 

Ann  an  saoghal  trioblaideach 

Their  cuid  nach  'eil  e  iomchuidh  a  bhi  ri 
bheag  de  ghairdeachas  ann  an  saoghal  anns  am 
bheil  tinneas,  bochduinn,  trioblaid,  cogadh  is 
uile  eile  a'  ciixrradh  uibhir  sluaigh  ;  gu  bheil  e 
cho  mi-f  hreagarrach  ri  feadaireachd  aig  torradh. 


Tuigidh  sinn  uile  an  fhaireachduinn  sin  ;  ach 
fhathast,  cha  ghliocas  a  bhi  a'  bacadh  gair- 
deachais. Thug  daoine  de  'n  t-seorsa  ud  ach- 
mhasan  do  Chriosd  air  an  dearbh  chilis,  eadhon 
gu  robh  a  dheisciobuil  ro  aoibhneach.  Is  e  an 
fhreagairt  a  thug  Esan  orra  gu  robh  deagh 
reuson  aca-san  a  bhi  aoibhneach  ;  agus  'n  am 
fanadh  iad  'n  an  tosd,gu'n  glaodhadhna  clachan 
fein.  Bha  Criosd  na  b'  fhaireachaile  air  cor  an 
t-saoghail  na  neach  air  bith  eile  ;  ghiulain  E  ar 
n-anmhuinneachdan,  dh'  iomchair  E  ar  doilgh- 
iosan,  bha  E  eolach  air  bron,  dh'  fhuiling  E  ar 
n-uile  lot  ;  ach  a  dh'  aindeoin  sin  uile,  cluinn- 
eamaid  E,  beagan  uairean  mu'n  deachaidh 
E  a  mach  a  ghiulan  agus  a  dh'  f  hulang  a'  chroinn- 
cheusaidh  ;  "  Na  nithean  so  labhair  mi  ribh,  a 
chum  gu  fanadh  mo  ghairdeachas  annaibh,  agus 
gu'm  bitheadh  bhur  gairdeachas-sa  Ian."  Agus 
CO  dhiubh,  cha  leigheas  air  an-aoibhneas  dubh- 
achas  is  tromadas  ;  agus  dona  's  mar  a  a  tha 
suidheachadh  cuid  de  shluagh  an  t-saoghail, 
cha  bu  leasachadh  air  na  h-uile  a  bhi  ri  bron. 

Their  cuid  eile  ruinn  a  bhi  suarach  co  dhiubh 
a  bhitheas  sinn  a'  sealbhachadh  aoibhneis  no 
a'  fulang  doilghios  ;  gur  e  am  prionnspal  ceart 
sinn  fein  a  dhi-chuimhneachadh  uile  gu  leir  ann 
an  seirbhis  mhaith  air  choireigin  d'ar  comh- 
chreutairean. 

Tha  sinn  a'  tuigsinn  na  comhairle  so,  agus  an 
riaghailt  a  tha  i  a  'cur  far  comhair  ;  agus  tha 
iad  le  cheile  luachmhor.  Ach  tha  sinn  a  rithis 
a'  cuimhneachadh  mar  a  thubhairt  Criosd 
ris  na  deisciobuil,  an  deidh  dhoibh  seirbhis 
mhor  a  dheanamh  d'an  comh-chreutairean, 
eadhon  a'  tilgeadh  a  mach  dheamhan  asda. 
Cha  b'  urrainn  seirbhis  a  b'  fhearr  na  sud  a  bhi 
air  a'  frithealadh  ann  an  linn  air  bith  ;  agus 
chan  ionghnadh  ged  a  bha  na  deisciobuil  air  an 
togail  le  'n  soirbheachadh.  Ach  thugamaid 
fanear  focal  Chriosd  riu  mu  'n  chilis  : — "  Na 
deanaibh  gairdeachas  air  son  gu  bheil  na 
spioraid  fo  'ur  smachd,  ach  deanaibh  gaird- 
eachas gu  bheil  'ur  n-ainmean  sgriobhta  anns 
na  neamhaibh." 

Feasgar  ar  beatha 

Bhiodh  Criosd  e-fein  a'  tilgeadh  a  mach 
dheamhan  agus  a'  slanuchadh  nan  euslan,  agus 
eadhon  a'  togail  nam  marbh,  seirbhisean  nach 
b'  urrainn  gun  a  bhi  a'  toirt  toileachaidh  dha. 
Ciod,  ma  ta,  is  ciall  do'n  chomhairle  ud  d'a 
dheisciobuil  mur  e  so,  gu'n  caill  duine  gach  uile 
aobhar-aoibhneis  an  deireadh  an  latha,  an  uair 
a  bhitheas  a  lamh  gun  chli,  a  ghuth  fann,  agus 
comas  a  sheirbhis  air  failneachadh,  mur  'eil  anns 
an  amharc  aige  ach  tuarasdal  a  sheirbhis,  agus 
toillteanas  a  bheatha. 

Ach  ma  tha  ainm  sgriobhta  anns  na  neamh- 
aibh, agus  a  mhuinighin  anns  a'  ghradh  shiorr- 
uidh  a  sgriobh  ainm  an  sin,  neo-airidh  ged  a 
tha  e,  tha  aige  aobhar  gairdeachais  a  mhaireas 


AN  FHUAIM  AOIBHNEACH— ANNS  A'  CHATHAIR 


an  uair  a  threigeas  an  corr  e.  Seadh,  is  e  a  bhi 
a'  sealbhachadh  ainm  grasmhor  Dhe,  agus  ag 
earbsadh  'na  chliu,  'n  a  ghradh,  'n  a  throcair, 
'n  a  chumhachd,  'n  a  gheallaidheanmaiseach,is 
fior  thobar  gairdeachais  anns  a'  chridhe  ;  is  e 
sin  an  tobar  nach  traoigh,  agus  an  gairdeachas 
nach  teirig. 

3.  An  treasa  beannachd  :  tha  iad  a  faighinn 
an  ardachaidhjhior.  "  Ann  ad  fhireantachd-sa, 
ardaichear  iad." 

Diathan  breige 

Timchioll  air  Israel,  bha  na  Cinnich  a'  dean- 
amh  aoraidh  do  dhiathan  breige  air  an  robh 
fior  dhroch  chliti  air  son  mi-bheusalachd  agus 
euceart,  air  chor  is  gur  ann  a  bha  an  luchd- 
aoraidh  air  an  truailleadh,  agus  air  an  isleachadh 
leo.  Tha  buaidh  mhor  aig  aoradh  dhaoine 
thairis  air  am  beachdan,  air  an  comhluadar, 
agus  air  am  beatha  uile  :  ma  tha  iad  a'  cur 
onair  air  dia  mar  a  bha  Moloch  nach  gabhadh 
sasuchadh  ach  le  oigridh  thaghta  a  bhi  air  an 
iobradh  dha  troimh  theine,  nach  'eil  e  soilleir 
gu  robh  cleachdadh  cho  searbh  agus  cho  baoth 
a'  dalladh  inntinnean  agus  a'  cruadhachadh 
ehridheachan  an  t-sluaigh  ? 

Ach  Dia  Israeil — -chan  e  a  mhain  gur  Esan  an 
t-aon  Dia  beo  agus  fior,  ach  tha  E  ceart  'na  uile 
shlighean,  agus  naomh  'na  uile  ghniomharan. 
Is  aite-taimh  a  righ-chaithreach  ceartas  agus 
breitheanas  ;  mar  an  ceudna  tha  firinn  agus 
trocair  a'  dealradh  mar  sholus  roimh  a  ghniiis. 
Is  e  so  Dia  da-rireadh,  anns  am  bheil  gach 
maitheas  a'  coinneachadh  ann  an  iomlanachd. 
Do  bhrigh  sin,  tha  a  shluagh  air  an  ardachadh 
le  a  bhi  ag  aoradh  dha.  Chan  urrainn  dhoibh 
beachdachadh  air  a  bhuaidhean,  no  dliithachadh 
dha  'n  an  spioradan  gun  a  bhi  ag  iarraidh  a  bhi 
air  an  glanadh  o  am  peacaidhean  ;  oir  tha  iad 
a'  tuigsinn  gu  bheil  naomhachd,  ceartas,  agus 
maitheas  air  an  iarraidh  air  a  luchd-eagail-san. 
Mar  sin,  tha  iad  air  an  ardachadh  ;  tha  iad  ag 
eirigh  ann  an  inbhe,  le  bhi  a'  fas  'n  an  daoine 
maithe,  a'  gradhachadh  fireantachd,  agus  a' 
fuathachadh  aingidheachd.  Is  ann  mar  so  a 
ruigeas  daoine  air  an  fhior  uaisle.  Bithidh 
daoine   a'   cosnadh   urraim  is   inbhe   anns   an 


t-saoghal  le  euchdan  is  seirbhis  de  iomadh 
seorsa  ;  agus  faodaidh  cuid  dhiubh  air  a  shon 
sin  uile  a  bhi  goirid  de  f  hireantachd.  Ach  ann 
am  breitheanas  Dhe,  cha  bhi  air  an  ardachadh 
ach  aon  seorsa,  iadsan  anns  am  faighear  prionn- 
spal  na  fireantachd  a  tha  tre  chreideamh. 

Na  fior  uaislean 

Is  gann  a  leigear  a  leas  a'  radh  gu  bheil  na 
tri  beannachdan  so  air  an  sealbhachadh  na  's 
pailte  le  naoimh  a'  Chumhnainte  Nuaidh  na  a 
bha  iad  le  naoimh  Israeil  ;  oir  tha  Criosd  a' 
toirt  cursa  do'n  anam  anns  am  bheil  e  a'faotainn 
dliiths  is  comh-chomunn  ri  Dia,  cothrom 
seirbhis,  agus  cothrom  air  fas  ann  an  gras  agus 
ann  an  cumhachd  spioradail  a  tha  na  's  pailte 
agus  na's  cinntiche  na  bha  ann  an  tairgse  dhaoine 
roimh  a  latha  ;  agus  tha  an  t-slighe  a  tha  Esan 
a'  fosgladh  romhainn  a'  direadh  do  na  neamhan 
agus  a'  dol  as  an  t-sealladh  ann  an  gloir.  Is  e 
Criosd  mar  an  ceudna  a  tha  a'  fosgladh  tobair 
aoibhneis  anns  a'  chridhe,  is  milse  bias  agus  is 
eifeachdaiche  buaidh  na  b'  aithne  do  'n  t-Salma- 
dair.  "  An  t-uisge  a  bheir  mise  dha,  bithidh 
e  'na  bheo-thobar  uisge  ann  a'  sruthadh  suas 
chum  na  beatha  maireannaich."  Is  E  a  mhain 
a  ghleidheas  tobraichean  diomhair  a  chridhe 
fosgailte  agus  iirail,  a  dh'  aindeoin  trioblaid, 
brisidh-diiil,  agus  broin.  Oir  tha  E  a'  teagasg 
a  shluaigh  sealltuinn  seachad  air  an  t-saoghal 
so  uile  gu  leir  ;  agus  amhuil  a  bha  an  t-abstol  a 
dh'  ionnsaich  inntinn  a  Mhaigistir  cho  coimh- 
lionta  a'  deanamh,  gun  a  bhi  a'  meas  nithean 
aimsireil,  no  carraid  an  t-saoghail,  nach  mair 
ach  re  sealain,  ach  mar  ni  suarach  an  coimeas 
ris  a'  mhaith  shiorruidh  a  tha  ullaichte  air  an 
son  anns  na  h-ardaibh.  Agus  nach  e  a  bhi  de 
dh'  aon  spiorad  ri  Criosd,  High  na  Fireantachd, 
Tighearna  na  firinn  agus  a  ghrais,  a  bhi  da- 
rireadh  ardaichte  ann  an  onair  agus  fior  uaisle  ? 
Iadsan  aig  am  bheil  spiorad  Chriosd,  's  iad  na 
fior  uaislean  ;  agus  ciod  air  bith  an  crannchur 
no  an  inbhe  anns  an  t-saoghal  so,  gheibh  iad  an 
aite  mu  dheireadh  anns  na  h-ardaibh  ;  oir  is  e 
Criosd  e-fein  a  tha  ag  radh — "  Far  am  bheil 
Mise,  bithidh  iadsan  mar  an  ceudna." 

Gu  cinnteach  is  beannaichte  an  sluagh  a 
thuigeas  an  fhuaim  aoibhneach. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  thoiseach  an  t-saoghail  tha  daoine 
ullamh  gu  bhi  a'  cur  na  coire  air  daoine  eile 
an  uair  a  ni  iad  rud-eigin  cearr.  An  uair  a 
bhris  ar  ceud  pharantan  aithne  Dhe  chuir 
Adhamh  a'  choire  air  Eubh,  is  chuir  Eubh  a' 
choire  air  an  nathair,  agus  tha  a'  cheart  fhasan 
sin  aig  an  cloinn  f  hathast.  An  ni  a  bha  ann  is  e 
an  ni  sin  fein  a  tha  ann  f hathast,  agus  chan  'eil 


ni  sam  bith  nuadh  fo'n  ghrein.  An  uair  a  ni 
fear-oibre  aig  nach  'eil  lamh  ghrinn  obair  a  tha 
groigeil  cuiridh  e  a'  choire  air  na  buill-acf  huinn 
a  bha  aige,  mar  a  rinn  Seumas  MacGriogair  a 
threabh  an  talamh-glas  aig  Bean  Ach-nam-bo. 
Sheall  e  air  an  treabhadh  is  thubhairt  e  rithe, 
"  Na'n  robh  paidhir  each  a  b'  fhearr  agam,  agus 
crann  eile,  agus  talamh  a  bu  reidhe,  agus  duine 


ANNS  A'  CHATHAIR 


agam  a  dh'  fhalbhadh  ann  an  ceann  nan  each, 
agus  na'n  robh  an  t-sid  na  b'  fhearr,  bhitheadh 
an  treabhadh  na  b'  fhearr  na  tha  e."  B'e  an 
fhior  aobhar  air  olcas  an  treabhaidh  nach  do 
chleachd  Seumas  a  bhi  eadar  spagan  croinn 
agus  nach  robh  e  suas  ris  an  obair.  Chleachd 
e  a  bhi  a'  caradh  rathaidean. 

Gabhaidh  daoine  an  lethsgeul  fhein,  is 
cuiridh  iad  a'  choire  air  daoine  eile  anns  gach 
aite  fo'n  ghrein  cho  maith  ri  Ach-nam-bo,  agus 
ann  am  fichead  rud  a  thuilleadh  air  droch 
threabhadh.  Their  aon  duine,  "  Na'n  robh  mi 
a'  fuireach  air  sraid  eile,  no  ann  an  ait-eigin 
eile,  air  falbh  o  dhroch  dhaoine,  thogainn  mo 
theaghlach  na  b'  fhearr  na  tha  mi  a'  deanamh." 

Their  duine  eile,  "  Bha  m'  athair  agus  mo 
mhathair  cho  teann  orm  ann  an  laithean 
m'oige  's  gu'n  do  ghrainich  iad  air  an  eaglais  mi ; 
is  ann  aca-san  a  bha  a'  choire  gu'n  do  thionn- 
daidh  mi  air  falbh  bhuaipe." 

Their  an  ath  fhear,  "  Ged  a  rinn  mi  sud  cha 
b'  ann  agam  a  bha  a'  choire  ach  aig  an  duine  a 
mheall  mi." 

Uairean  a  tha  freumh  beag  de'n  fhirinn  anns 
na  lethsgeulan  sin,  ach  mar  is  trice  tha  daoine  a' 
dol  air  seachran  a  chionn  gu  bheil  laigse  no  olc 
air  chor-eigin  'n  an  toil  fein.  Chan  'eil  teagamh 
nach  'eil  e  na's  duiliche  do  dhaoine  tighinn  beo 
gu  diadhaidh  ma  tha  droch  choimhearsnaich 
aca,  no  ma  tha  an  comhnuidh  aca  ann  an 
ionadan  far  a  bheil  a  righ-chaithir  aig  Satan, 
ach  air  a  shon  sin,  faodaidh  daoine  an  culaidhean 
a  chumail  geal,  agus  gun  salachadh,  eadhon  an 
Sardis.  Chan  ann  o'n  taobh-a-muigh  a  tha  na 
nithean  a  shalaicheas  an  duine  ;  tha  iad  ag 
eirigh  as  a'  chridhe,  agus  mur  biodh  an  t-olc 
'n  ar  cridhe  fein  cha  deanadh  an  ceap-tuislidh  a 
chuireas  daoine  eile  'n  ar  rathad  cron  air  bith 
oirnn. 

Uair  a  dh'  fhoighnich  duine-eigin  de'n 
Ollamh  mhor-mhor,  an  t-Ollamh  Mac  Iain,  car 
son  nach  robh  e  a'  gabhail  fiona,  thubhairt  e 
gu  firinneach  nach  robh  a  chionn  nach  b' 
urrainn  dha  stad  aon  uair  's  gu'n  toisicheadh  e. 
Is  ann  gie  annamh  a  tha  daoine  cho  onarach  ris 
an  Ollamh  Mac  Iain  ;  their  daoine  a  tha  'n  an 
traillean  do'n  uisge-bheatha  riut  gu  rachadh 
aca  air  stad  dheth  uair  air  bith  na'n  toilicheadh 
iad.  Is  maith  leo  sin  a  chur  mar  fhiachaibh 
orra  fein.  Ma  bheir  thu  an  aire,  a  leughadair, 
chi  thu  gu  bheil  an  da  rud  so  fior,  (1)  gur  ann 
fior  annamh  a  dh'  aidicheas  daoine  gu  bheil  iad 
gaolach  air  uisge-beatha  no  seorsa-drama  eile, 
agus  (2)  gur  ann  fior  annamh  a  dh'  aidicheas 
duine  nach  rachadh  aige  air  sgur  dheth  gu 
buileach.  Ach  air  a  shon  sin  tha  f hios  agad  gu 
bheil  na  miltean  ann  a  tha  cho  gaolach  air 
deoch  's  a  tha  cat  air  iasg,  agus  miltean  nach 
urrainn  stad  a  dh'  61.  Sin  an  seorsa  a  bhios 
daonnan  a'  cur  na  coire  air  daoine  eile. 

Bha  Iain  Mac  Coinnich  'n  a  shaor  maith  agus 


'n  a  dhuine  reidh  ach  bha  aon  fhailing  mhor 
ann,  bha  e  ro  ghaolach  air  a  bhi  tadhall  anns 
an  tigh-osda  aig  Tom  Elliot,  agus  cleas  a  h-uile 
duine  a  bhios  a'  dol  do'n  tigh-osda  na's  trice  na 
bhios  iad  a'  dol  do'n  eaglais  chaill  e  an  da 
chuid  a  choguis  agus  a  naire. 

Bha  bean  bg  laghach  aige  agus  triiiir  de 
chloinn,  ach  ged  bha  a  bhean  a'  feuchainn  ri 
folach  a  chur  air  drongaireachd  a  fir,  agus 
biadh  is  aodach  a  chumail  ris  na  paisdean  mar  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  dhi,  bha  an  dachaidh  a' 
dol  sios  gus  mu  dheireadh  nach  bu  dachaidh  i 
ach  an  ainm  a  mhain,  tigh  gun  ghean,  gun  sonas, 
gun  dealbh.  Ach  bha  bean-an-tighe  'n  a 
boirionnach  glic  ;  ged  bha  a  cridhe  air  a  leon 
cho  goirt  agus  ged  bhiodh  i  gu  trie  a'  caoineadh 
air  son  a  cloinne  cha  dubhairt  i  riamh  droch 
fhacal  ri  Iain,  is  cha  do  thilg  i  air  mar  bha  e  a' 
deanamh  air  a  theaghlach.  Ach  air  a  shon  sin 
bha  i  a'  feuchainn  leis  gach  innleachd  a  theag- 
aisg  a  gaol  dhi  air  a  tharruing  le  cordaibh- 
gaoil  o'n  osd- thigh. 

Ged  bha  e  trom  air  an  deoch  bha  gaol  aig  air 
a  mhnaoi  agus  air  a  chloinn,  agus  ann  am 
■  freasdal  Dhe  bha  an  gaol  sin  'n  a  mheadhon  air 
a  tharruing  o'n  tigh-osda  fad  thri  bhiadhna. 
Shiubhail  te  de  na  caileagan  ;  eadar  an  clis- 
geadh  a  chuir  sin  air,  agus  bron  a  mhnatha, 
agus  an-shocair  a  bha  'na  choguis,  agus  an 
t-amharus  a  bha  'n  a  chridhe  nach  d'  fhuair  a' 
chaileag  cothi'om  ceart  riamh,  thoisich  an 
Spiorad  Naomh  air  oibreachadh  ann.  Chuir 
e  roimhe,  le  comhnadh  an  Tighearna,  gu'n 
seachnadh  e  an  Tigh  aig  Tom  Elliot  gu  buileach, 
agus  gu'm  biodh  e  na  bu  mhiiirniche  air  a 
mhnaoi  agus  air  a  chloinn.  An  ceann  seachduin 
bha  an  t-atharrachadh  a  thainig  air  Iain  ri 
fhaicinn  anns  an  tigh,  agus  fad  thri  bhadhna 
cha  robh  dachaidh  anns  an  diithaich  a  bu  shona 
na  'n  dachaidh  ud. 

Feasgar  a  bha  e  a'  dol  seachad  air  dorus  an 
tighe-osda,  agus  e  a'  dol  dhachaidh  o  obair, 
thachair  triiiir  no  cheathrar  de  na  seann 
chompanaich  air.  "  Is  fhada  o  nach  fhaca  sinn 
thu,"  ars'  iadsan,  "  thig  a  stigh  agus  gabhaidh 
sinn  deur  beag." 

Thubhairt  Iain  nach  rachadh  ;  gu  robh 
cabhag  air  faotainn  dhachaidh  agus  rud  no 
dha  aige  ri  dheanamh  m'an  tigeadh  an  oidhche. 

Ach  cha  ghabhadh  na  daoine  diiiltadh  ;  lean 
iad  air  a  choiteachadh  gus  mu  dheireadh  an 
dubhairt  e  riu  air  a  cheann  nach  robh  e  dol  a 
bhlasad  deur  uisge-bheatha  gu  brath  tuilleadh. 

An  sin  thoisich  iad  uile  air  gaireachduin  agus 
air  farming  as.  Dh'  fhoighnich  fear  dhiubh 
dheth  an  robh  eagal  air  gu'm  puinnseanaicheadh 
aon  ghloine  uisge-bheatha  e,  no  an  robh  eagal 
air  gu  robh  a  cheann  air  fas  cho  aotrum  's  gu'n 
cuireadh    aon  ghloine  tuainealaich  ann  ? 

Thubhairt  fear  eile,  "  Chan  e  sin  idir  a  tha 
cur  eagail  air  Iain  ;    's  ann  tha  eagal  air  gu'n 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


troid  a  bhean  ris,  ach,"  ars'  esan  agus  e  a' 
tionndadh  ri  Iain,  "  ma  thig  thu  a  stigh  leinn 
theid  mi  fhein  dhachaidh  leat  air  eagal  gu'n 
troid  Mairi  I'iut,  no  gu'n  cuir  i  thu  a  laighe  gun 
do  shuipear,  agus  a  thuilleadh  air  sin  bheir  mi 
dhuit  clove." 

Leigibh  leis,"  ars'  an  treasa  fear,  "  nach  eil 
sibh  a'  faicinn  gu  bheil  e  an  diugh  cho  mor  as 
fhein  's  nach  bu  mhaith  leis  gu'm  faiceadh 
daoine  e  a'  dol  a  steach  eomhla  ri  ar  leithidean- 
ne." 

Na'n  d'  iarr  Iain  comhnadh  o  Dhia  mar  tha  e 
air  iarraidh  oirnn  'n  a  Fhacal  a  dheanamh  an 
am  buairidh  bhitheadh  guch  ni  ceart  oir  tha  a 
ghras-san  foghainteach  agus  cha  leig  e  leinn  dol 
thar  ar  fulangais,  ach  cha  do  rinn  e  sin.  Ghabh 
e  an  f  hearg,  agus  eadar  fearg  agus  uabhar  agus 
dannarrachd,  rinn  e  lom  is  direach  air  dorus  an 
tighe-osda  ;  rachar  a  steach,  agus  each  air  a 
shail,  is  tilgear  paipear  dheich  tasdain  air  a 
chuntar  ;  "  Leth-bhodach  uisge-bheatha,"  ars' 
esan. 


Bha  e  naoi  uairean  m'  an  d'  fhag  iad  an 
seomar-ciiil  aig  Tom  Elliot,  agus  iad  uile  a' 
tmsleachadh  mar  dhaoine  air  mhisg,  gun  an 
ciall  no  an  coiseachd  aca.  Chaidh  iad  air  an  ais 
am  maireach,  agus  lean  Iain  MacCoinnich  air 
dol  air  ais  gus  an  robh  e  cho  dona  air  an  61  's  a 
bha  e  riamh  ;  an  t-eun  a  bha  air  a  shaoradh  a 
laimh  an  eunadair  thuit  e  anns  an  ribe  a  ris. 
Ghabh  an  sonas  a  bha  'n  a  dhachaidh  sgiathan  ; 
chrom  a  bhean  agus  a  chlann  an  cinn  le  briseadh- 
cridhe  agus  le  naire,  agus  chruadhaich  a  chridhe 


agus  a  choguis  fhein  na  bu  mhiosa  agus  na 
bu  mhiosa.  Chaill  e  aite  agus  a  chliu,  agus  mu 
dheireadh  chaill  e  a  shlainte,  ach  an  uair  a 
bhitheadh  an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain, 
B.D.,  a'  feuchainn  ri  comhairle  a  thoirt  air  agus 
ag  iarraidh  air  uisge-beatha  a  thur-sheachnadh 
ghabhadh  e  a  lethsgeul  fhein  gu  neo-sgathach  is 
theireadh  e  nach  ann  aige-san  a  bha  a'  choire 
idir  ach  aig  an  fheadhainn  a  thug  air  dol  a 
steach  do'n  tigh-osda. 

Lethsgeul  diomhain,  is  fein-fhireanachadh 
nach  seas  !  A  h-uile  duine  a  theid  do  thigh-an- 
oil  tha  e  a'  dol  ann  le  a  thoil  fein  agus  is  e  a 
chasan  fein  a  tha  'g  a  thoirt  ann.  Faodaidh 
daoine  eile  deoch  a  choiteachadh  ort,  no  magadh 
ort  a  chionn  nach  teid  thu  a  dh'  61  c6mhla  riu, 
ach  chan  urrainn  dhaibh  deoch  a  chur  sios  'n  ad 
amhaich,  no  do  ghiiilan  a  steach  do  thigh-6sda 
an  aghaidh  do  thoile. 

Mar  sin  chan  'eil  ann  ach  diomhanas  do  neach 
a  gheill  do  bhuaireadh  air  bith  a  radh  nach  ann 
aige-san  a  tha  a'  choire.  Co  aige  eile  a  tha  i 
ach  agad  fein  ?  Ach  tha  daoine  ann  a  tha  cho 
dannarra  'n  am  fein-fhireanachadh  's  mur 
faigh  iad  a'  choire  a  chur  air  neach  eile  gu'n 
cuir  iad  air  Dia  i.  Bha  an  se6rsa  dhaoine  sin 
ann  ri  linn  an  abstoil  Seumas,  ach  thubhairt  e 
riu,  "  Na  h-abradh  neach  air  bith  an  uair  a 
bhuairear  e,  Tha  mi  air  mo  bhuaireadh  le 
Dia  .  .  .  ach  tha  gach  duine  air  a  bhuaireadh  'n 
uair  a  thairgnear  air  falbh  e  le  ana-mianna  fein. 
An  sin  air  bhi  do'n  ana-miann  torrach,  beiridh 
e  peacadh,  agus  air  do'n  pheacadh  a  bhi  air  a 
chriochnachadh  beiridh  e  bas.  Na  bithibh  air 
bhur  mealladh,  mo  bhraithrean  gradhach." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-OlIamh  Ruairidh  Mac  Leoid 

GED  nach  'eil  e61as  cho  maith  aig  muinntir 
na  Gaidhealtachd  fhathast  air  Ruairidh 
Mac  Le6id  's  a  bha  aca  air  Alastair  Lee  nach 
maireann,  tha  fhios  aig  a'  chuid  mhor  de 
luchd-leughaidh  nan  duilleagan  so  gur  ann 
ris  a  dh'  earb  an  eaglais  a  bhi  sealltuinn  as 
deidh  nam  missionaraidhean  Gaidhealach.  Is 
aithne  dha  missionaraidhean  na  h- eaglais 
na's  fhearr  na's  aithne  do  dhuine  eile,  agus 
chan  e  mhain  gur  aithne  dha  iad  ach  tha  e 
daonnan  'n  a  charaid  dileas  air  an  ciil,  cho 
dileas  's  nach  mor  nach  toireadh  e  ort  a  chreid- 
sinn  gur  sme6raich  a  tha  ann  an  rocaisean. 
Ach  is  maith  an  rud  e  a  bhi  dileas  do  mhis- 
sionaraidhean  ;  tha  beo-shlaint  mhinistearan 
car  cinnteach  dhaibh,  oir  tha  iad  mar  bheinn 
Shioin,  cha  ghabh  iad  carachadh  mur  toihch 
iad  fein.  Ach  chan  'eil  an  aite  no  am  be6- 
shlaint  cinnteach  do  mhissionaraidhean  ;  tha 
an   suidhe   aca   air   fail   chorraich,   agus   mar 


sin  is  maith  an  gnothuch  gu  bheil  am  fear  a 
tha  air  an  ceann  faireachdail  agus  dealasach 
air  gach  cothrom  a  thoirt  dhaibh  a  ghabhas 
deanamh. 

Ann  an  deireadh  an  Fhoghair  tha  an  t- 
Ollamh  Ruairidh  Mac  Le6id  a'  dol  air  chuairt 
do  Astralia  ;  air  a  chur  a  mach  le  Eaglais  na 
h-Alba  gu  coinneamh-mhor  a  tha  ri  bhi  cruinn 
ann  an  Victoria,  a  chumail  air  chuimhne  gu 
bheil  ceud  bUadhna  o  bha  eaglais  Chleir- 
eachail  air  a  cur  air  chois  ann  an  Victoria. 
Tha  e  fhein  agus  an  t-Ollamh  Adhamh  W. 
Burnet,  an  Glaschu,  a'  dol  a  mach  le  fios- 
beannachaidh  o'n  t-seana  mhathair  an  Albainn 
do'n  nighinn  a  tha  nis  air  thigheadas  dhi 
fhein  an  AstraHa.  Tha  na  ceanglaichean  a 
tha  eadar  Eaglais  na  h-Alba  agus  eaglaisean 
Cleireachail  air  feadh  an  t-saoghail  laidir  agus 
blath.  Tha  iadsan  'g  a  h-aideachadh-se  mar 
am  mathair  agus  tha  ise  'g  an  gradhachadh- 
san  mar  chloinn.  A  h-uile  bliadhna  tha 
teachdairean    a'    tighinn    bhuapa    do'n    Ard 


AIG  AN  UINNEIG— CORP  CHRIOSD 


Sheanadh  an  Dun-eideann,  mar  chalamain 
ag  itealaich  a  dh'  ionnsuidh  an  ionad-taimh. 
Am  measg  na  feadhnach  a  thainig  o  na  duth- 
channa  thall  am  bliadhna  bha  an  t-OUamh 
ainmeil  a  Astralia,  Raonull  G.  Mac  an  t-Saoir, 
duine  a  bhuineas  do  Loch  Abar,  agus  a  bha 
air  oileanachadh  an  Dim-eideann,  ach  a 
chaidh  a  mach  trath  do  Astraha,  far  an  do 
rinn  e  obair  mhaith  a  mhaireas.     Bhruidhinn 


e  uair  no  dha  an  Dim-eideann,  is  rinneadh  a 
bheatha  le  suilbhireachd. 

Tha  an  t-Ollamh  Ruairidh  Mac  Leoid  agus 
an  t-Ollamh  Adhamh  W.  Burnet  ri  seoladh  an 
toiseach  October,  is  bithidh  iad  air  an  ais  mu 
mheadhon  Februari,  ach  bithidh  iad  air  an 
cumail  trang  ann  an  Astraha,  a'  searmonachadh 
agus  a'  dol  ma  'n  cuairt  am  measg  nan  eaglais- 
ean. 


Corp  Chriosd 

Le  A.  S.  M.  AN  Glaschu 


BHO  chionn  ghoirid  bha  mi  a'  bruidhinn  ri 
caraid  sonruichte  mu'n  eaglais  ;  anns  an 
t-seanchas  a  bha  againn  thubhairt  e  so,  "  Tha 
barrachd  de  dhaoine  anns  an  diithaich  aig  a 
bheil  high  anns  an  diadhaidheachd  na  thatar  a' 
saoilsinn,  ach  chan  ann  anns  na  h-eaglaisean  a 
gheibhear  iad." 

"  C'aite  eile  am  faighear  iad,  ma  ta  ?  " 
thubhairt  mi  ris.  "  Sin  rud  a  tha  duihch  a 
radh,"  ars'  esan,  "  theagamh  nach  'eil  iad  a' 
cruinneachadh  comhla  uair  air  bith,  no  a' 
gabhail  orra  gu  follaiseach  gu  bheil  an  inntinn 
no  an  aire  air  Dia,  ach  air  a  shon  sin  tha 
iarrtus  'n  an  anam  air  dearbhachd  f  haotainn  mu 
Dhia,  ach  stad  iad  de  dhol  do'n  eaglais  a  chionn 
nach  robh  iad  'ga  f  haotainn  innte. 

****** 

Chan  'eil  cuspair  air  an  t-saoghal  as  luaithe  a 
thogas  deasbud  am  measg  dhaoine  na  'n 
eaglais  ;  chan  'eil  agad  ach  am  facal  ainmeach- 
adh  ann  an  comunn  air  bith,  is  bithidh  cabhag 
air  a  h-uile  duine  a  tha  lathair  a  bheachd  fein  a 
thoirt  dhuit,  oir  tha  iad  uile  cinnteach  gu  bheil 
fhios  aca  ciod  a  tha  cearr  air  an  eaglais,  agus 
ciod  a  bu  choir  dhi  a  theagasg  agus  a  dheanamh. 
Their  cuid  gur  e  fior  aros  Dhe  a  tha  anns  an 
eaglais,  ach  their  cuid  eile  nach  'eil  namhaid  as 
miosa  aig  Criosd  na  i.  Ma  tha  an  eaglais  a' 
ceangal  dhaoine  ri  cheile  tha  i  'g  an  roinn 
cuideachd. 

Tha  gu  leoir  de  dhaoine  an  duil  gu'n  deanadh 
an  saoghal  feum  as  eugmhais  na  h-eaglaise,  agus 
gu'm  maireadh  an  creideamh  Criosduidh  beo 
ged  nach  bitheadh  an  eaglais  idir  ann.  Sin  rud 
nach  gabh  dearbhadh  air  aon  doigh  no  air 
dhoigh  eile,  ach  chan  'eil  e  coltach  nach 
bitheadh  braithreachas  eadar  daoine  a  tha 
creidsinn  anns  an  aon  Shlanuighear,  agus  a  tha 
ag  altrum  an  aon  dochais,  agus  ann  an  seadh 
fior  is  e  companas  agus  braithreachas  a  tha  cur  air 
chois  na  h-eaglais,  ge  b'e  aite  am  faighear  i. 

Gheibh  daoine  companas  agus  braithreachas 
anns  an  teaghlach,  ann  an  sgoil,  anns  an  staid, 
ach  ged  tha  iad  sin  uile  ann  an  tomhas  a' 
tarruing  dhaoine  ri  cheile  agus  'g  an  aonadh  ri 
cheile  chan  'eil  iad  'g  a  dheanamh  ach  ann  an 


tomhas  beag,  is  tha  cridhe  mhic  an  duine  ag 
iarraidh  fasgadh  fhaotainn  ann  an  co-chom- 
unn  air  chor-eigin  far  am  bi  gach  garradh  no 
balla  a  tha  seasamh  eadar  e  fein  agus  daoine  eile 
air  an  tilgeadh  sios  gu  buileach. 

Gheibhear  a  leithid  so  de  cho-chomunn  anns 
an  eaglais,  oir  tha  i  a'  gabhail  a  steach  dhaoine 
de  gach  seorsa  agus  as  gach  diithaich  ;  daoine  a 
tha  dealaichte  o  cheile  a  thaobh  fala,  agus  a 
thaobh  cainnte,  agus  a  thaobh  iomadh  rud  eile, 
ach  a  tha  uile  ag  aideachadh  gur  teaghlach  an 
aon  Athar  iad,  agus  gu  bheil  aon  Tighearn  aca, 
losa  Criosd  a  Mhac.  Theagamh  gu  bheil  an 
eaglais  a'  teachd  gearr  air  an  fhiannis  so  a 
thoirt  do'n  t-saoghal,  ach  is  e  so  an  ceann- 
criche  a  bha  aig  a  Tighearn  anns  an  t-sealladh 
an  uair  a  ghairm  e  i  gu  bhi  a'  giiilan  air  aghaidh 
nan  oibre  a  bha  e  fein  a'  deanamh  ann  an 
laithean  f  heola.  Ged  tha  caochladh  eaglaisean 
anns  an  t-saoghal,  an  eaglais  Shasunnach,  an 
eaglais  Albannach,  an  eaglais  Ghreugach, 
eaglais  na  Roimhe,  is  e  eaglais  Chriosd  a  tha 
annta  uile,  oir  chan  'eil  criochan  aig  an  eaglais 
mar  tha  aig  rioghachdan. 

Ged  is  comunn  an  eaglais  a  bhuineas  do  na 
rioghachdan  uile  agus  do  'n  t-saoghal  uile,  agus 
chan  ann  do  aon  rioghachd  no  do  aon  chinneach, 
agus  ged  is  e  pairt  d'a  h-obair  na  ballacha- 
meadhoin  a  tha  eadar  rioghachdan  a  bhriseadh 
sios  agus  an  tarruing  ri  cheile  ann  an  com- 
panas agus  ann  am  braithreachas  chan  i  an  aon 
chomunn  a'  tha  feuchainn  anns  na  laithean  so  ri 
sin  a  dheanamh ;  tha  iomadh  comunn  agus  seorsa 
dhaoine  an  diugh  a'  feuchainn  ris  an  fharmad 
agus  an  raiteachas  a  tha  eadar  rioghachdan  a 
spionadh  as  am  bun  agus  braithreachas  luchd- 
leanmhuinn  Chriosd  a  chur  'n  an  aite.  Bu 
choir  do  'n  h-uile  duine  aig  a  bheil  gaol  air  sith 
agus  a  tha  creidsinn  ann  an  teagasg  Chriosd 
am  beannachd  a  thoirt  do  na  comuinn  sin  agus 
cuideachadh  leo,  ach  na'n  robh  Criosduidhean 
an  t-saoghail  dileas  d'an  gairm  mar  eaglais  Dhe 
rachadh  aca  air  sith  am  measg  rioghachdan  a 
steidheachadh  air  bunaitean  seasmhach  mar 
nach  teid  aig  comunn  air  bith  eile  air  thalamh. 

Tha  co-chomunn  na  h-eaglais  a'  tarruing  nam 


8 


CORP  CHRIOSD— FACAL  NEONACH 


beo  agus  nam  marbh  ri  cheile  cho  cinnteach  's 
a  tha  e  a'  tarruing  rioghachdan  ri  cheile. 
Chan  urrainn  an  Criosduidh  a  chreidsinn  gur  e 
am  bas  ceann  a  reis,  oir  tha  fhios  aige  nach  'eil 
dad  a'  tachairt  aig  uair  a  bhais  ach  gu  bheil  e 
a'  fagail  aon  seomar  ann  an  tigh  Athar  agus  a' 
dol  a  steach  do  sheomar  eile.  Ach  is  ann  ann 
an  tigh  Athar  a  tha  e  fad  na  h-iiine.  "  C'aite 
an  teid  mi  o  d'  spiorad  ?  agus  c'  aite  an  teich  mi 
o  d'  ghniiis  ?  Ma  theid  mi  suas  do  neamh  tha 
thu  an  sin  ;  ma  ni  mi  mo  leabadh  ann  an  ifrinn, 
feuch  tha  thu  an  sin." 

A  thuilleadh  air  so  tha  eaglais  neo-fhaicsin- 
neach  air  thalamh  cho  cinnteach  's  a  tha  eaglais 
neo-fhaicsinneach  ann  an  neamh,  daoine  nach 
robh  riamh  air  an  ceangal  ri  eaglais  Chriosd 
anns  an  t-saoghal  so,  no  air  an  aireamh  am 
measg  chreidmheach,  no  a  dhealaich  ri  am 
braithrean  le  aobhar  coguiseach.  Buinidh  iad 
sin  cuideachd  do  chompanas  nan  daoine  m'  an 
dubhairt  Criosd  fein,  "  Chan  e  gach  uile  neach 
a  their  rium-sa,  A  Thighearn,  a  Thighearn,  a 
theid  a  steach  do  rioghachd  neimh,  ach  an  ti  a 
ni  toil  m'  Athar-sa  a  tha  air  neamh."  Ged  tha 
freumhaichean  na  h-eaglais  anns  an  t-saoghal, 
anns  an  t-seadh  gur  e  daoine  a  tha  'g  a  riagh- 
ladh  agus  ag  oibreachadh  innte,  chan  e  toil  no 
innleachd  a'  chinne-daonna  a  chur  air  chois  i 
ach  Dia,  Dia  a  ghairm  i  gu  bhi  a'  gitilan  air 
aghaidh  obair  na  slainte  air  an  do  thoisich  e  ann 
an  losa  Criosd.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  do 
labhair  Pol  mu'n  eaglais  mar  chorp  Chriosd. 
Is  e  a  bha  Pol  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal  sin 
gur  ann  troimh  bheatha  Chriosduidhean  a  tha 
Criosd  a  nis  'ga  nochdadh  fein  do'n  t-saoghal 
direach  mar  a  nochd  e  e  fein  do'n  t-saoghal  tre 
a  chorp  ann  an  laithean     fheola.     Faodar  a 


chur  ann  an  doigh  eile  agus  a  radh  mar  so,  gur 
e  an  eaglais  bilean,  agus  casan,  agus  siiilean, 
agus  lamhan  Chriosd,  a  bhilean  leis  a  bheil  e  a' 
bruidhinn  ris  an  t-saoghal,  a  chasan  a  tha  a' 
giiilan  an  t-soisgeil  gu  diithchanna  cein,  a 
shuilean  a  tha  a'  faicinn  uireasbhuidh  an 
t-saoghail,  agus  a  lamhan  a  tha  a'  deanamh  nan 
ceart  oibrichean  a  rinn  e  fein  an  uair  a  bha  e  air 
thalamh. 

Chan  'eil  ann  an  samhladh  a'  chuirp  ach  aon 
de  na  samhlaidhean  air  an  eaglais  a  gheibhear 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh.  Tha  i  air  a  coimeas 
ri  togail  a  tha  air  a  steidheachadh  air  Criosd  ; 
ri  bean  nuadh-phosda  a  tha  air  a  ceangal  ri 
Criosd  ;  ri  teampull  anns  a  bheil  Spiorad  Dhe 
a'  comhnuidh. 

A  dh'  aindeoin  cho  fada  's  'g  a  bheil  Crios- 
duidhean  a'  teachd  gearr  air  an  gairm  naomh 
tha  an  eaglais  a'  nochdadh  anns  gach  linn  gu 
bheil  an  cliii  ard  agus  uasal  so  a  tha  air  a  thoirt 
oirre  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  fior.  Oir  tha 
daoine  peacach  aig  a  bheil  miann  air  maith- 
eanas  agus  ionndrainn  air  Dia  a'  faotainn  innte 
ceann  an  rathaid  gu  Dia.  Is  ann  troimh  an 
eaglais  a  fhuair  Augustine  a  steach  do  chala 
samhach  an  deidh  dha  a  bhi  air  a  riasladh  le 
buairidhean  geur,  agus  is  ann  troimh  an  eaglais 
a  rainig  Newman  air  fois  anma,  an  deidh  dha 
a  bhi  air  a  luasgadh  a  null  agus  a  nail  le  teagmh- 
aidhean  spioradail.  Ged  is  fhada  an  t-astar  a 
tha  eadar  Iain  Calvin  agus  am  Papa  theireadh 
Iain  Calvin  ris  an  eaglais  "  mo  mhathair." 
Tha  Leabhar  Aidmheil  a'  Chreidimh  ag  radh 
gur  e  an  eaglais  fhaicsinneach  "  rioghachd  an 
Tighearn  losa  Criosd,  tigh  *  agus  teaghlach 
Dhe." 

{Ri  leantuinn) 


Facal  Neonach 


AN  deidh  dha  Betel  fhagail  chiim  lacob  air 
^gus  an  do  rainig  e  tir  a  dhaoine  anns  an 
aird  an  Ear.  Agus  an  sin  aig  an  tobar,  agus  i 
a'  toirt  dibhe  do  threud  a  h-athar,  thachair 
Rachel,  nighean  brathair  a  mhathar,  air,  agus 
pkbg  Jacob  Rachel,  agus  thog  e  suas  a  ghuth,  agus 
ghuil  e. 

Bha  e  nadurra  gu  leoir  dha  a  bhan-charaid  a 
phogadh,  ged  nach  fhaca  e  i  riamh  roimhe,  ach 
car  son  air  an  t-saoghal  a  chaidh  e  a  chaoineadh  ? 
Shaoileadh  tu  gur  e  sin  an  rud  mu  dheireadh  a 
bheireadh  pogadh  na  caileig  air  a  dheanamh, 
agus  nach  robh  e  siobhalta  dha  deoir  a  shileadh 
an  deidh  na  poige,  an  lathair  Rachel  co-dhiii. 

Their  cuid  gur  e  moit  a  thug  air  a  dheanamh, 
agus  gu  robh  a  dheoir  co-ionnan  ri  gaire  is 
lachanaich,  ach  tha  na  h-ard-sgoilearan  ag  radh 
nach  'eil  sin  ceart,  agus  nach  robh  anns  a' 
chaoineadh  ach  fasan  a  tha  aig  moran  chinneach 
an  uair  a  bhios  iad  a'  cur  failte  air  a  cheile. 
Am  measg  threubhan  eile  cha  bhiodh  e  air  a 
chunntas  siobhalta  do  dhuine  gun  dol  a  chaoin- 


eadh 'na  leithid  sud  de  shuidheachadh.  Tha 
na  Maoris  ann  an  New  Zealand  'ga  chunntas 
mar  cheud  lagh  nam  modhannan  gu'n  rachadh 
duine  a  chaoineadh  an  uair  a  tha  e  a'  fail- 
teachadh,  no  a'  fagail  beannachd  aig  a  charaid, 
ach  chan  'eil  an  caoineadh  sin  a'  fasgadh  no  a' 
goirteachadh  an  cridhe  ann  an  doigh  air  bith. 
Tha  iad  ag  innseadh  naidheachd  mu  mhnathan 
a  bha  air  coinneachadh  r'a  cheile,  agus  a  bha  a' 
gul  mar  gu'm  biodh  am  bas  air  creach  a  thoirt 
orra,  ach  ann  an  teas-meadhoin  a'  chaoinidh, 
stad  dithis  dhiubh  agus  ghlaodh  iad,  Chan  'eil 
sinn  ullamh  d'  ar  caoineadh  f  hathast,  ach  theid 
sinn  agus  ni  sinn  am  biadh  deas,  agus  an  sin 
criochnaichidh  sinn  ar  gul.  Thuirt  duine- 
eigin  riutha  nach  robh  annta  ach  na  cealgairean, 
agus  gu'n  robh  fhios  aige  nach  robh  dad  aca  mu 
choinneamh  na  feadhnach  a  bha  iad  a'  caoin- 
eadh, ach  cha  do  rinn  iad  ach  gaire.  Tha  a' 
cheart  chleachdadh  so  aig  na  h-Innseanaich  ; 
chunntadh  iad  gu'n  robh  tair  air  a  dheanamh 
orra  mur  deantadham  failteachadh  le  caoineadh. 


Aireamh  9 


937 


An  Spiorad  Naomh 

"  Spiorad  na  firinn." — Eoin  xvi.  13  - 


BU  mhaith  learn  anns  an  aireamh  so  seanchas 
simplidh  a  dheanamh  mu'n  Spiorad  Naomh, 
ach  m'an  toisich  mi,  feumaidh  mi  a  radh 
gu'm  bi  iomadh  ceist  mu'n  Spiorad  Naomh 
ag  eirigh  'n  am  inntinn  nach  urrainn  mi  a 
fhreagairt,  agus  gu  bheil  iomadh  rud  mu 
thimchioll  obair  an  Spioraid  nach  'eil  mi  a' 
tuigsinn,  agus  nach  'eil  dochas  agam  gu'n  tuig 
mi  gu  brath. 

Tha  an  Spiorad  Naomh  neo-fhaicsinneach, 
agus  samhach,  agus  diomhair  ;  a'  seideadh 
mar  a'  ghaoth,  gun  fhios  cia  as  no  ciamar  a 
tha  e  a'  tighinn,  ach  air  a  shon  sin,  fo  lagh 
agus  fo  riaghailtean  Dhe,  mar  tha  gach  neach 
no  ni  eile  anns  a'  chruthachadh. 

Ach  ged  tha  moran  dorcha  oirnn  a  thaobh 
an  Spioraid  Naoimh,  tha  e  soilleir  gu'n  d' 
thug  Dia  an  Spiorad  do'n  eaglais,  agus  gu'n 
d'  thug  e  dhith  e,  chum  an  fhirinn  a  tha  air  a 
tasgadh  agus  air  a  folach  ann  an  Criosd  a 
nochdadh  dhi  uidh  ar  n-uidh.  "  Cha  labhair 
e  uaith  fein  .  .  .  gabhaidh  e  de  mo  chuid-sa, 
agus  nochdaidh  e  dhuibh-se  e." 

An  Spiorad  agus  Facal  Dhe 

Tha  sinne  cho  aineolach  dhinn  fein  gu  spiorad- 
ail  's  nach  'eil  e  furasda  dhuinn  na  nithean  as 
simphdhe  anns  an  t-soisgeul  agus  ann  am 
Facal  an  Tighearn  a  thuigsinn  no  a  ghabhail 
gu  cridhe,  gun  e  bhi  air  a  theagasg  dhuinn  leis 
an  Spiorad.  Ach  chan  'eil  an  Spiorad  Naomh 
a'  labhairt  uair  air  bith  uaith  fein,  no  a'  teagasg 
ni  air  bith  nach  'eil  a  reir  Chriosd,  a  reir  a 
theagaisg  agus  a  bheatha.  Ma  their  neach 
air  bith  gu'n  d'  fhoillsich  an  Spiorad  Naomh 
sud  no  so  dha,  ma  tha  am  foillseachadh  sin  a' 
dol  an  aghaidh  Facal  an  Tighearna,  faodaidh 
tu  a  bhi  cinnteach  nach  e  an  Spiorad  Naomh 
a  labhair  idir  ris,  ach  droch  spiorad  air  chor- 
eigin.  Mar  sin,  cha  ghahh  am  Facal  a  tha 
againn  amis  a'  Bhiobull  agus  an  Spiorad  Naomh 
dealachadh.  Cha  bu  mhaith  learn  a  radh  ann 
an  eisdeachd  dhiadhairean  gu  bheil  an  Spiorad 
Naomh  ceangailte  ri  Facal  an  Tighearn,  ach  air 
a  shon  sin  cha  d'  fhuair  is  cha  d'  fhairich  mi 
e  ann  an  aite  eile  riamh.  Mar  is  sine  tha  mi 
a'  fas,  agus  mar  is  mo  a  tha  mi  a'  taiceachadh 
ri  m'  fhiosrachadh  fein,  is  ann  as  cinntiche  a 
tha  mi  nach  urrainn  dhuinn  adhartas  air  bith 
a  dheanamh  anns  a'  bheatha  spioradail  ach  tre 


Fhacal  an  Tighearn.  "Naomhaich  iad  troimh 
an  fhirinn  ;  is  e  d'  fhacal-sa  an  fhirinn."  Mar 
sin  theirinn  ri  neach  air  bith  a  tha  ag  iarraidh 
an  Spioraid  Naoimh,  larr  e  ann  am  Facal  an 
Tighearn.  Is  theirinn  cuideachd  gur  e  an 
dearmad  a  tha  creidmhich  a'  deanamh  air 
Facal  an  Tighearn  as  aobhar  nach  'eil  iad  air 
an  soillseachadh  no  air  an  neartachadh  leis 
an  Spiorad  Naomh  na  's  mo  na  tha  iad. 

Tha  mi  an  diiil  nach  'eil  e  chum  maith  air 
bith  do  dhaoine  a  bhi  feuchainn  ri  dealachadh 
a  chur  eadar  Dia  agus  an  Spiorad  Naomh,  oir 
ciod  air  bith  a  their  na  diadhairean  mu  thri 
Pearsachan  na  Trianaid  chan  'eil  ach  aon  Dia 
ann  a  tha  labhairt  ris  an  anam.  Tha  e  gun 
teagamh  a'  labhairt  air  iomadh  doigh,  ach  is  e 
an  aon  Dia  a  tha  labhairt  fad  na  h-iiine,  an 
drasd  tre  Fhacal,  a  ris  tre  a  Fhreasdal,  agus 
an  ath  uair  air  dhoiffh  eile. 


Teachd  an  Spioraid 

Chan  'eil  e  furasda  do  dhuine  a  bhi  cinnteach 
CO  dhiu  a  tha  an  Spiorad  Naomh  ann  fein  no  nach 
'eil  oir  chan  'eil  na  comharraidhean  follaiseach  'g 
aleantuinn  an  diugh  a  chunnacas  ann  an  laithean 
nan  abstol.  Chan  'eil  e  a'  seideadh  trompaid 
an  uair  a  tha  e  a'  dol  a  steach  (no  a'  dusgadh 
anns  an  anam)  ;  tha  e  a'  tighinn  ann  car  col'tach 
ris  mar  a  thiiinig  Criosd  a  steach  do'n  t-saoghal. 
Thainig  e  'n  a  leanabh  beag,  agus  gun  fhios 
aig  an  t-saoghal  gu  robh  e  ann,  ach  uidh  ar 
n-uidh  dh'  fhas  e  mor  gus  mu  dheireadh  an 
d'thainig  e  gu  a  Ian  fhas,  agus  an  do  thoisich 
e  air  oibre  cumhachdach  a  dheanamh.  An  sin 
mhothaich  an  saoghal  gu  robh  an  t-Iongantach 
'n  am  measg. 

Sin  mar  tha  an  Spiorad  Naomh  ;  thig  e  a  dh' 
ionnsuidh  a'  chreidmhich  gun  fhios  da.  Ach 
uidh  ar  n-uidh  toisichidh  e  air  faireachduinn  gu 
bheil  cumhachd  ur,  agus  cumhachd  chairdeil, 
air  teachd  thuige,  agus  gu  bheil  nithean  air  an 
cual  e  iomradh  le  eisdeachd  na  cluaise  air  an 
deanamh  cho  cinnteach  dha  'n  a  anam  fein 
ri  fradharc  a  shiil.  Tha  e  a'  tuigsinn  Facal 
Dhe  agus  tha  Facal  Dhe  a'  labhairt  ris  mar 
nach  do  rinn  e  riamh  roimh  ;  tha  e  a'  tuigsinn 
a  chionta  agus  a  theachd-gearr,  agus  tha  e  a' 
gabhail  tlachd  ann  an  Criosd ;  'na  ainm  agus 
'na  obair  agus  'na  shluagh,  nach  do  ghabh  e 


2 


AN  SPIORAD  NAOMH 


riamh.  Agus  an  sin  gabhaidh  creidmhich  eile 
eolas  air-san,  gu  bheil  Spiorad  Dhe  a'  comh- 
nuidh  ann. 

Fas  nan  Gras 

La  a  bha  duine  maith  a'  gearan  air  fein  ann 
an  eisdeachd  a  mhnatha,  agus  ag  radh  nach 
ann  na  b'  fhearr  ach  na  bu  mhiosa  a  bha  e  a' 
fas,  thubhairt  e  gu  robh  e  a'  leughadh  agus  a' 
smuaineachadh  air  lagh  an  Tighearna  a  h-uile 
la,  ach  a  dh'  aindeoin  sin  gu  robh  e  a'  fas 
mothachail  air  peacaidhean  iira  agus  droch 
aignidhean  ann  fein  nach  b'  abhaist  a  bhi  ann 
idir.  "  O,"  ars'  a  bhean  ris,  "  bha  iad  annad 
ged  nach  robh  thu  'g  am  faicinn.  Nach  'eil 
cuimhne  agad  ciod  a  bhiodh  Seumas  beag,  ar 
leanabh  gaolach,  ag  radh  ruinn  an  uair  a  dh' 
fhag  am  fiabhrus  cho  caol  e,  gun  ann  ach  na 
cnamhan  agus  an  craicionn.  Theireadh  e 
rium  nach  fasadh  e  laidir  no  reamhar  gu 
brath  tuilleadh,  ach  bhithinn-sa  ag  radh  ris 
gu  robh  e  a'  fas  reamhar  a  h-uile  la,  agus  ann 
an  iiine  ghoirid  gu'm  biodh  e  cho  laidir  's  a 
bha  e  riamh.  Cha  chreideadh  e  so,  ach  an 
sin  thainig  e  far  an  robh  mi  aon  la,  a'  gearan 
gu  robh  a  sheacaid  'g  a  ghortachadh  anns  na 
h-achlasan,  agus  a  bhrogan  'g  a  ghortachadh 
cuideachd.  "  Tha,  arsa  mise,  a  chionn  gu 
bheil  thu  a'  fas  reamhar."  "  Sin  mar  tha 
thusa,"  thubhairt  i  ris  an  duine,  "  bha  thu  fein 
agus  an  seann-duine  a  bha  'n  ad  chridhe  a' 
faotainn  air  'ur  n-aghaidh  gu  gasda  comhla, 
cho  gasda  's  nach  robh  umhail  agad  gu  robh 
e  ri  taobh  do  theallaich,  ach  a'  cheart  mhionaid 
a  thoisich  an  duine  nuadh  annad  air  fas 
thoisich  thu  air  mothachadh  do  na  droch 
aoighean  a  tha  ann  ad  chridhe."  Is  e  an 
Spiorad  Naomh  a  tha  toirt  dearbh-shoilleireachd 
do'n  t-saoghal  mu  pheacadh,  mu  fhireantachd, 
agus  mu  bhreitheanas.  Tha  peacadh  air 
ainmeachadh  anns  a'  Bhiobull  ris  an  abrar 
"  toibheum  an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimh," 
peacadh  eagallach  gun  teagamh,  ach  tha  da 
pheacadh  eile  an  aghaidh  an  Spioraid  a  tha 
na  's  cumanta  na  'n  toibheum  so,  (1)  a'  cur 
an  aghaidh  an  Spioraid  Naoimh,  agus  (2)  a' 
miichadh  an  Spioraid  Naoimh.  Theagamh 
nach  'eil  anns  an  da  pheacadh  sin  ach  aon,  oir 
ciod  an  doigh  as  cinntiche  air  cur  an  aghaidh  an 
Spioraid  na  an  Spiorad  a  mhiichadh.  An  uair 
a  tha  an  solus  air  a  mhiichadh  tha  e  ionann  ri 
bhi  as. 

Spiorad  fiata  agus  narach 

Faodaidh  daoine  nach  'eil  'n  an  naimhdean 
do  Dhia  a  bhi  eas-umhail  dha,  agus  dearma- 
dach,  agus  ciod  as  seirbhe  no  as  doilghiosaiche 
do  chridhe  athar  na  bhi  a'  faicinn  eas-iimhlachd 
a  chloinne  ?  "  Na  cuiribh  doilghios  air  Spiorad 
Naomh  Dhe,  leis  an  do  chuireadh  seula  oirbh 


gu  la  na  saorsa,"  tha  Pol  ag  radh,  "  bitheadh 
gach  uile  sheirbhe,  agus  corruich,  agus  fearg, 
agus  garrthaich,  agus  toibheum,  air  an  togail 
uaibh,  maille  ris  gach  uile  mhi-run."  Sin  na 
nithean  a  chuireas  teicheadh  air  an  Spiorad 
Naomh  oir  is  Spiorad  fiata  agus  narach  e  nach 
urrainn  uiread  agus  sealltuinn  air  aingidheachd 
no  air  mi-naomhachd. 

Ach  ged  is  spiorad  fiata  agus  narach  an 
Spiorad  Naomh  is  spiorad  coibhneil  e  mar  an 
ceudna  ;  a'  treorachadh  dhaoine  chum  na 
firinn,  chan  ann  mar  gu'm  biodh  maighstir- 
sgoil  a'  teagasg  no  a'  smachdachadh  cloinne 
leis  an  t-slait  ach  mar  gu'm  biodh  mathair  ag 
ionnsachadh  d'a  leanabh  coiseachd,  'g  a 
chuideachadh  'nuair  a  tha  taic  a  dhith  air, 
'g  a  thogail  'nuair  a  thuiteas  e,  agus  'g  a  chur 
air  a  chasan  a  ris. 


Droch  spioradan 

Feumar     a     chuimhneachadh     daonnan    gu 
bheil  spioradan  eile  a'  tighinn  gu  creidmhich 
a    thuilleadh    air    an    Spiorad    Naomh,    droch 
spioradan  a  tha  dol   'n  a  riochd-san  agus   a' 
mealladh  mhorain.     Thig  iadsan  cuideachd  gu 
samhach,  agus  ann  an  cruth  ainglean  na  soillse. 
Ach  is  e  an  Spiorad  Naomh  an  dion  as  fhearr  a 
tha  againn  an  aghaidh  dhroch  spioradan,  oir     ^ 
is    e    esan    a    theagaisgeas    dhuinn    spioradan    | 
aithneachadh,  co  dhiu  a  tha  iad  glan  no  neogh-    ' 
Ian.    "  Dearbhaibh  na  spioradan,  an  ann  o  Dhia     ' 
a  tha  iad."     Is   e  obair  an  Spioraid  Naoimh 
Criosd  a  ghlorachadh,  agus  chan  ann  o  Dhia  a 
tha    spiorad    air    bith    nach    gloraich    Criosd. 
Agus   tha  Criosd   air   a    ghlorachadh    an  uair 
a    tha    a   riiintean    air   gabhail   riu,   agus   am 
foillseachadh  a  rinn  e  air  Dia. 

Cha  mho  a  tha  spiorad  air  bith  o  Dhia  mur 
bheil  an  toradh  aige  maith,  oir  is  e  toradh  an 
Spioraid  Naoimh,  gradh,  aoibhneas,  sith,  fad- 
fhulangas,  caomhalachd,  maitheas,  creideamh, 
macantas,  stuaim.  Sin  agad,  a  leughadair, 
cliabh  de  mheasan  samhraidh  a  tha  milis  do'n 
bhlas.  A  bheil  na  measan  sin  a'  fas  ann  ad 
lios-sa  ?  Ma  tha,  faodaidh  tu  misneach  a  bhi 
agad  gu  bheil  an  Spiorad  Naomh  ag  oibreach- 
adh  annad. 

Air  uairean  tha  an  Spiorad  Naomh  a'  tighinn 
a  dh'  ionnsuidh  an  anma  mar  Sholus,  'g  a 
shoillseachadh  ;  air  uairean  mar  Theine,  'g  a 
losgadh  agus  'g  a  ghlanadh  ;  air  uairean  mar 
Dhriichd,  'g  a  iirachadh  agus  'g  a  bheothach- 
adh  ;  agus  air  uairean  mar  a'  Ghaoth,  'g 
a  chriothnachadh,  ach  ciod  air  bith  doigh  anns 
an  tig  e,  is  beannaichte  a  theachd. 

Gach  subhailc  annainn  is  gach  feart, 
Gach  buaidh  's  a  chomh-stri  dhein, 
Ar  n-uile  thograidh  naomha,  ceart. 
Tha  'teachd  uaith  fein. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


GED  is  e  Calum-cille  a  thug  an  creideamh 
Criosduidh  do'n  Ghaidhealtachd,  agus  ged 
tha  moran  aitean  agus  eaglaisean  air  an  ain- 
meachadh  air,  cha  robh  a  sheanchas  no  a 
theagasg  air  an  cumail  air  chuimhne  anns  a' 
Ghaidhealtachd  mar  bha  seanchas  agus  teagasg 
dhaoine  eile  nach  robh  idir  cho  mor  ris.  Dh' 
fhaodadh  tu  suidhe  uile  laithean  do  bheatha 
ann  an  eaglais  air  bith  anns  an  airde  Tuath, 
no  anns  na  h-Eileanan,  no  an  siorraniachd  Rois, 
ag  eisdeachd  ri  ministearan  ainmeil  na  Gaidh- 
ealtachd,  gun  aon  fhacal  a  chhiinntinn  mu 
Chalum-Cille,  no  bias  a  theagaisg  fhaotainn  air 
gin  de  na  searmoin  a  bhiodh  iad  a'  liubhairt. 
Ach  cha  suidheadh  tu  anns  na  h-eaglaisean 
sin  gun  naidheachdan  a  chluinntinn  a  h-uile 
Sabaid  mu  Mhaighstir  Lachlainn,  agus  mu 
Ghilleasbuig  Cook,  agus  mu  Alastair  Gearr, 
agus  mu  fheadhainn  eile  de  'n  t-seorsa  sin, 
agus  idir  idir  cha  suidheadh  tu  annta  gun 
teagasg  a  chluinntinn  a  bha  air  a  tharruing  gu 
mor  a  leabhraichean  dhiadhairean  Sasunnach, 
Iain  Bunyan,  Richard  Baxter,  Phihp  Doddridge, 
agus  Piiritanaich  eile  mar  sin.  B'  iad  sin  na 
daoine  aig  an  robh  iighdarras  agus  smachd 
thairis  air  inntinnean  dhaoine  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd agus  cha  b'  e  idir  na  naoimh  mhora 
a  thainig  o'n  aon  stoc  ruinn  fein. 

Ged  tha  sinn  air  toiseachadh  air  boilich  mu 
Chalum-cille  o  chionn  beagan  bhliadhnachan 
bha  barrachd  urraim  air  a  thoirt  dha  am  measg 
nan  Gall  na  bha  aige  'na  dhiithaich  f^in  o 
am  an  Ath-leasachaidh  ;  b'  e  Richard  Baxter 
agus  a  sheorsa  na  naoimh  a  bha  air  am  beann- 
achadh  agus  air  an  gleidheadh  air  chuimhne 
leis  a'  mhor-chuideachd  de  dhaoine  crabhach 
na  Gaidhealtachd.  Ged  tha  inntinnean  luath 
beothail  aig  na  Gaidheil  chan  'eil  inntinnean 
domhain  aca,  agus  mar  sin  cha  do  chladhaich 
iad  riamh  tobraichean  dhaibh  fein  ann  an 
Litreachas  no  ann  an  Diadhachd  ;  tharruing 
iad  as  na  tobraichean  a  bha  air  an  cladhach 
le  Sasunnaich.  Chan  'eil  ann  an  litreachas 
crabhach  nan  Gaidheal  ach  iasad  a  fhuair 
iad  o'n  Bheurla.  .  Theagamh  nach  cord  e  ri 
cuid  so  a  chluinntinn,  ach  tha  e  fior. 

Duine  beag-mor 

Ged  nach  'eil  ann  an  Richard  Baxter  ri 
taobh  Chaluim-cille  ach  mar  gu'm  bitheadh 
iochdaran  an  lathair  uachdarain  tha  a'  chuid 
mhor  a  dh'  obair  an  t-saoghail  air  a  deanamh 
le  daoine  beaga,  agus  mar  sin  bu  mhaith  leam 
seanchas  a  dheanamh  anns  an  aireamh  so  mu  'n 
duine  bheag-mhor  so,  a  rinn  obair  iongantach 
'n  a  la  fein,  agus  a  lean  air  bruidhinn  ri  ar 
sluagh-ne  le  a  sgriobhaidhean  gus  an  la  diugh. 
Sgriobh  e  os  cionn  ceud  leabhar,  cuid  dhiubh 
anns   nach  robh  moran  seagh   no   siiigh,   ach 


ged  nach  sgriobhadh  e  riamh  ach  Fois  shiorr- 
vidh  nan  naomh  chumadh  an  leabhar  sin  ainm 
air  chuimhne  gu  brath.  Leugh  mise  an  leabh- 
ar sin  am  Beurla  agus  an  Gaidhlig,  ach  ged 
a  stad  mi  a  nis  de  'n  chuid  mhor  dheth  a  leugh- 
adh  tha  dha  no  tri  dh'  earrannan  ann  a 
bhitheas  mi  fhathast  a'  leughadh  gle  thric. 

Ach  ged  bu  mhaith  leam  seanchas  a  dhean- 
amh mu  Richard  Baxter  chan  'eil  mi  a'  dol 
a  bhruidhinn  uime  mar  gu'm  bitheadh  Siorram 
a'  bruidhinn  mu  chiiisean  air  am  feum  e  a 
chainnt  a  thomhas,  agus  breith  chothromach 
a  thoirt  seachad  ;  chan  'eil  mi  ach  a'  dol  a 
bhruidhinn  air  nithean  sonruichte  'n  a  bheatha 
a  tha  'g  a  thoirt  dluth  dhuinn  fein. 

Braithreachas  na  h-easlaint 

Theagamh  gu'n  tug  thu  an  aire,  a  leugh- 
adair,  mar  a  bhioraicheas  duine  air  a  bheil  an 
loinidh  a  chluasan  an  uair  a  chluinneas  e  gu 
bheil  duine  eile  air  a  sharuchadh  leatha  ; 
tha  an  loinidh  'n  a  boinn  a  tha  tarruing  eadhon 
choigreach  agus  naimhdean  r'a  cheile.  Tha  a' 
bhuaidh  sin  aig  eucailean  a'  chuirp  daonnan  ; 
tha  an  easlaint  a'  dusgadh  spiorad  a'  bhraithrea- 
chais  am  measg  dhaoine  a  cheart  cho  cinnteach 
's  a  dhiiisgeas  an  eaglais  no  an  t-  saor-chlach- 
aireachd  e.  An  uair  a  dh'  innseas  mi  nach 
robh  Richard  Baxter  saor  is  pian  aon  la  d'a 
bheatha  tha  fhios  agam  gu'm  fairich  moran 
de  na  leughas  an  duilleag  so  gur  fior  bhr^h- 
air  dhaibh  a  bha  ann,  ged  nach  do  leugh  iad 
riamh  facal  de  na  sgriobh  e. 

Air  uairean  bithidh  mise  ag  radh  ri  mo 
bhraithrean  anns  an  eaglais,  agus  ri  mo  choimh- 
thional  fein,  gur  e  as-creideamh  a  tha  toirt  air 
daoine  uiread  ro-chiiraim  a  bhi  orra  m'an  corp 
no  m'an  slainte.  Tha  moran  dhaoine  a'  call 
an  sithe  agus  an  sonais  gu  buileach  le  bhi  a' 
smuaineachadh  gun  sgur  air  na  cunnartan  a  tha 
a'  bagairt  orra  bho  na  germs  a  tha  anns  an  adhar, 
agus  air  na  doighean  anns  am  faod  iad  faighinn 
thuca.  Ma  chi  iad  cuileag  ghorm  air  an  uinn- 
eig,  no  larach  ordag  a'  phosta  air  litir,  no 
ma  chuireas  am  beadall  lamh  air  na  leabhraich- 
ean aca  anns  an  eaglais,  theid  iad  ann  an 
ireabaich  mar  gu'm  bitheadh  sgaoth  sheill- 
eanan  fo'n  leine. 

Obair  agus  ceol 

Ged  nach  'eil  cuimhne  agam  ciod  a  bha  cearr 
air  Richard  Baxter  tha  amharus  agam  gu  robh 
e  rud  beag  usaideach  m'a  shlainte  fein,  oir 
leugh  mi  an  aite-eigin  gu'n  deachaidh  e  gu 
se  deug  ar  fhichead  lighiche,  agus  gu'n  d'  61  e 
d'an  cungaidhean  na  phlodadh  bata.  Ach 
air  a  shon  sin  bha  rud-eigin  fada  cearr  air  ; 
fichead  uair  bha  e  cho  dliith  do'n  bhas  's  is 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


urrainn  duine  a  bhi  gun  an  deo  a  thoirt  suas, 
ach  bha  toil  laidir  edge  agus  cridhe  gaisgeil, 
is  lean  e  air,  a'  searmonachadh,  a'  sgriobhadh, 
agus  a'  riaghladaireachd,  mar  nach  robh  gaoid 
no  gaiseadh  ann.  Cha  robh  la  d'a  bheatha 
nach  robh  e  a'  deanamh  obair  triuir. 

Bha  e  gaolach  air  ceol.  Cha  robh  na  Puri- 
tanaich  am  bitheantas  a'  toirt  gnuise  do  cheol 
no  do  dh'  aighear  air  bith  ann  am  beatha 
chreidmheach,  is  fhuair  feadhainn  de  na 
braithrean  a  bu '  chuimhne  coire  do  Bhaxter 
a  chionn  gu  robh  e  air  son  laoidhean  a  sheinn 
ann  an  aoradh  na  h-eaglais  cho  maith  ri  sailm, 
agus  a  chionn  gu'm  bitheadh  e  ag  radh  gu  robh 
ceol  'n  a  mheadhon-grais  priseil  do  shluagh  an 
Tigheara. 

Mu  leughadh  shearmon 

Bha  e  'n  a  chleachdadh  aige  a  bhi  leughadh 
a  shearmoin.  Sin  fasan  nach  do  chord  riamh 
ris  na  Puritanaich,  no  ri  iomadh  duine  eile 
aig  nach  'eil  taobh  ris  na  Puritanaich.  Cha  do 
chord  e  idir  idir  ris  na  Cairdean  (no  mar  theirear 
riu,  na  Quakers)  is  bhitheadh  iad  a'  tilgeadh 
air  Baxter  nach  robh  an  Spiorad  Naomh  aige, 
agus  nach  bu  mhinistear  ceart  e.  Ach  sheul- 
aich  Dia  a  mhinistrealachd  le  comharraidhean 
follaiseach. 

Thubhairt  Baxter  gu  robh  e  fada  na  b' 
fhasa  dha  searmonachadh  gun  phaipear  na 
searmon  ullachadh  agus  a  leughadh,  ach  gu'm 
b'  fhearr  leis  a  shearmon  a  leughadh,  ma  bha 
iiine  aige  a  sgriobhadh.  "  Mur  robh  iiine 
agam,"  ars'  esan,  "  mo  shearmon  a  sgriobh- 
adh gu  cliramach,  no  ma  bha  mi  ro  thrang 
no  ro  leasg  fad  na  seachduin,  ni  mi  feum  maith 
gu  leor  gun  phaipear,  oir  cha  bhiodh  annam 
ach  ministear  truagh  mur  rachadh  agam  air 
searmon  a  thoirt  seachad  gun  e  bhi  air  ullach- 
adh roimh  laimh.  Tha  e  na's  fhasa  tri 
searmoin  a  hubhairt  gun  phaipear  na  aon 
fhear  a  sgriobhadh." 

Cha  toigh  le  muinntir  na  Gaidhealtaohd  a 
bhi  ag  eisdeachd  ri  searmoin  a  tha  air  an  leugh- 
adh, ach  air  a  shon  sin,  bha  na  searmonaich- 
ean  mora  a'  leughadh  an  searmon  riamh, 
Chalmers,  agus  Newman,  agus  Liddon,  agus 
an  seorsa  sin.  B'e  an  searmonaiche  a  b' 
fhearr  leamsa  a  chuala  mi  riamh  an  t-Ollamh 
Alasdair  Whyte  an  Diin-eideann,  ach  bha  a 
shuil-san  air  a' -phaipear  mar  shiiilean  ban- 
oglaich  air  laimh  a  bana-mhaighstir.  Is  e  an 
fhirinn  gu'm  feum  a  h-uile  searmonaiche  an 
doigh  as  fhearr  a  tha  freagairt  air  fein  a  ghabh- 
ail.  Is  coma  ciamar  a  tha  searmon  air  a 
liubhairt  ma  tha  beatha  agus  spioradalachd 
ann,  agus  is  coma  cuideachd  ciamar  a  tha  e 
air  a  liubhairt  mur  bheil  ann  ach  gloramas  no 
teangaireachd  ris  nach  urrainnear  eisdeachd 
le  saorsa  no  le  buannachd. 


Diadhairean  connspoideach 

Anns  na  laithean  anns  an  robh  Baxter  beo 
bha  diadhairean  moran  na  bu  chonnspoidaiche 
na  tha  iad  an  diugh  ;  bha  iad  a'  connsach- 
adh  ri  cheile  gun  sgur  mu  phuingean  creid- 
imh.  Theagamh  gu'n  abair  cuid  gur  e  an 
t-aobhar  nach  'eilear  'g  a  dheanamh  sin  an 
diugh  gu  bheil  na  diadhairean  oga  air  fas 
meagh-bhlath  agus  nach  'eil  iad  cho  eudmhor 
as  leth  na  Firinn  ris  na  seann  diadhairean. 
Ach  tha  mi  an  diiil  gu  bheil  aobhar  air  as 
fhearr  na  sin  ;  thatar  a'  faicinn  gu'n  seas  an 
Fhirinn  i  fein,  agus  nach  tig  as  a'chonnspoid 
ach  an  rud  a  tha  innte  ;  mi-run,  agus  droch 
amharus,  agus  ciil-chaineadh,  agus  droch  nadur, 
agus  droch  chainnt.  Cha  mhaith  an  rud  e  a 
bhi  cluinntinn  dhaoine  diadhaidh  a'  gabhail 
do  chach  a  cheile  leis  na  clachan  so,  "  meall- 
tairean,"  "  luchd-reubainn,"  "  luchd-tuaras- 
dail,"  "  faidhean-breige,"  "  sgriosadairean," 
"  madaidh-allaidh."  Seasaidh  an  fhirinn  i  fein  ; 
chan  'eil  feum  aice  air  eud  no  cainnt  de  'n 
t-seorsa  sin,  is  cha  mho  is  ann  le  connspoid  a 
chuirear  rioghachd  Dhe  air  aghaidh.  Cha 
laigh  driichd  air  an  talamh  an  deidh  oidhche 
stoirmeil  no  ghaothar,  is  cha  mho  a  thig  no 
thainig  druchd  nan  neamh,  no  toraidhean 
siochail  an  Spioraid  air  an  eaglais  aig  amanna 
anns   a  bheil  deasbud  agus   connspoid  innte. 

Tha  e  duilich  le  moran  dhaoine  so  a  chreidsinn, 
oir  tha  iad  an  diiil  gu  robh  an  diadhaidheachd 
aig  a  h-airde  anns  na  laithean  anns  an  robh 
deasboireachd  agus  connsachadh  anns  an 
eaglais  a  bha  dealachadh  choimhearsnach  agus 
theaghlaichean.  Chan  'eil  mise  a'  creidsinn 
sin,  ach  air  eagal  gu'm  fas  mi  fhein  connspoi- 
deach chan  abair  mi  an  corr  air  a'  chuis  ach  a 
mhain  so,  gu  bheil  an  diadhaidheachd  daonnan 
a'  tamh  laimh  ri  uisgeachan  citiin.  Ged  bha 
Richard  Baxtel*  'n  a  dhuine  maith  b'  fhearr 
dha  fein  na  'n  do  sheachain  e  na  connspaidean 
anns  an  deachaidh  e  ri  diadhairean  eile  ;  ann 
an  deireadh  a  laithean  dh'  aidich  e  so  gu 
h-iriosal  agus  gu  h-uasal.  "  Bha  mi  an  diiil," 
ars'  esan,  "  gu  robh  e  mar  fhiachaibh  orm  an 
saoghal  uile  a  chur  ceart,  ach  cha  robh  mi  ach 
bg  aig  an  am  ;  tha  mi  a  nis  air  fas  na's  glice, 
is  leigidh  mi  le  daoine  eile  an  rathad  fein  a 
ghabhail.  Bha  mi  cho  anabuich  's  nach  bu 
choir  dhomh  a  bhi  sgriobhadh  idir  anns  na 
laithean  ud." 

Aonachd  na  h-eaglais 

Na  'n  robh  Richard  Baxter  beo  an  diugh 
bheireadh  e  togail-cridhe  dha  a  bhi  ann  an 
Dun-eideann  aig  a'  Chruinneachadh  anns  a 
bheil  diadhairean  as  ^ach  meur  de  'n  eaglais 
cruinn  (ach  a  mhain  eaglais  na  Romihe),  a' 
cur  an  cinn  agus  an  comhairle  ri  cheile  mu 
aonachd  na  h-eaglais  Chriosduidh  air  thalamh. 


1 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Theagamh  nach  'eil  anns  an  aonachd  air  a 
bheil  daoine  a'  smuaineachadh  an  diugh  acli 
bruadar  faoin,  ach  bu  mhaith  dhuinn  uile  na 
briathran  glic  so  a  sgriobh  Baxter  a  thasgadh 
'n  ar  cuimhne.      "  Avi  feadh  's  a  iha  sinn    a 


connsachadh  anns  an  dorcha  iha  sinn  uile  a' 
triall  gu  luath  do  'n  t-Saoghal  a  chuireas  crioch 
air  gach  uile  chonnsachadh  ;  agus  is  e  an  t- 
ullachadh  as  fhearr  air  son  an  t-Saoghail  sin, 
naomhachd  chihin  agus  shlochail. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AM  measg  nan  dleasdanasan  a  bhios  a' 
-tachairt  air  ministearan  ann  an  obair  na 
sgire  chan  'eil  dleasdanas  idir  as  duiliche  na 
comhairle  ghlic  agus  fhirinneach  a  thoirt  do 
mhathraichean  a  tha  an  diiil  gu  bheil  an  clann 
'n  an  sgoilearan  maith,  agus  gu  bheil  gairra 
aca  dol  air  an  aghaidh  do'n  Chollaist.  Cha 
mhaith  le  duine  caomhail  air  bith  cridhe 
mathar  a  ghortachadh,  agus  gu  trie  fanar 
samhach  an  uair  a  thoisicheas  mathair  air 
innseadh  gu  bheil  a  mac  a'  dol  do'n  Chollaist 
gu  bhi  'n  a  mhinistear,  no  'ri  a  dhotair,  no  'n  a 
shiorram,  ged  tha  fhios  gu  maith  nach  'eil  anns 
a'  bhalach  ach  leth-phlaide,  agus  gu'm  b' 
fhearr  a  chur  ris  a'  chrann. 

Tha  gaol  mathar  an  da  chuid  geur-shtiileach 
agus  dall  ;  iomadh  uair  saoilidh  i  gu  bheil 
comasan  aig  a  mac  fein  a  chuireadh  fax-mad 
air  Spurgeon,  agus  putaidh  i  air  aghaidh  e  gu 
obair  na  ministrealachd  ged  tha  eagal  a  chridhe 
air  a'  ghille  fein  dol  air  aghaidh,  agus  ged  tha 
amharus  aig  daoine  eile  nach  bi  ann  gu  bi-ath 
ach  ministear-maide. 

Chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  foisneachaile 
do  chridhe  duine  na  fhios  a  bhi  aige  gu  bheil  e 
ris  an  obair  a  luigheasaich  Dia  dha,  agus  a 
tha  a'  freagairt  air  na  buadhan  a  bhuilich  Dia 
air,  ach  chan  'eil  rud  air  an  t-saoghal  as  seirbhe 
do  dhuine  na  bhi  ann  an  dreuchd  a  tha  os  cionn 
a  chomais  agus  a  neirt,  no  a  tha  neo-fhreag- 
arrach  dha  air  dhoigh  eile.  Ach  gle  thric 
tha  toil  laidir  aig  mathraichean  gaolach  agus 
cuiridh  iad  mic  umhail  ann  an  suidheachadh 
beatha  anns  nach  fhaigh  iad  gu  brath  ach 
carraid  agus  briseadh-duil. 

Ma  tha  so  a'  tachairt  anns  na  laithean  so 
anns  a  bheil  sgoilearan  air  an  ceasnachadh 
agus  air  an  cur  air  a'  mheidh  le  daoine  neo- 
eisiomaileach  nach  ceil  an  fhirinn  eadhon  air 
mathraichean  gaolach,  ciod  idir  a  thachras 
an  uair  a  bhios  ceasnachadh  air  a  chur  as  (mar 
thatar  ag  iarraidh  ?).  Co  am  maighstir-sgoil 
no  am  ministear  aig  am  bitheadh  misneach  a 
radh  ri  mathair  de  'n  t-seorsa  so  nach  robh 
eanchainn  aig  a  mac  air  son  na  dreuchd  no 
na  h-oibre  a  shonruich  i  dha  ? 

Mathair  ghaolach 

Bha  na  smuaintean  so  air  an  diisgadh  'n  am 
inntinn  an  raoir  an  uair  a  leugh  mi  ann  an 
Thn  an  Ohain  gu'n  do  shiubhail  Mairi  Dhomh- 
nuill,   bean    Eachainn    Mhic    Cuaraig,    a    bha 


'n  a  threabhaiche  aig  tuathanach  an  Achaidh- 
mhoir,  an  Cille-sgumain,  corr  agus  da  fhichead 
bliadhna.  Bha  iomadh  trioblaid  aig  Mairi 
'n  a  beatha,  ach  an  trioblaid  a  bu  mhiosa  a 
bha  aice  uile  gu  leir  thug  i  oirre  fein  an  uair  a 
thoisich  i  air  gibhtean  agus  grasan  fhaicinn 
ann  an  Habacuc,  a  mac,  nach  robh  daoine 
eile  a'  faicinn  ann. 

An  uair  a  rugadh  Habacuc  bha  ceann  cho 
mor  air  's  gu'n  tainig  e  ann  an  inntinn  a 
mhathar  gu  robh  e  cheana  'n  a  leanabh 
taghta,  air  a  shonrachadh  le  Dia  air  son  na 
ministrealachd,  agus  chuir  i  roimhpe  gu'n 
tugadh  iad  dha  ainm  fear  de  na  seann 
fhaidhean.  Bha  Eachann  Mac  Cuaraig  air 
son  ainm  athar  fein  a  thoirt  air  a  mhac  bu 
shine,  ach  cha  ghabhadh  Mairi  seunadh  no 
aicheadh,  oir  chuir  i  roimhpe  ainm  faidh  a 
bhi  air,  Isaiah  no  Eseciel.  An  uair  a  chuala 
Eachann  iomradh-  air  Isaiah  ghabh  e  eagal  ; 
"  duine,"  ars'  esan,  "  a  chunnaic  an  Tighearn 
'n  a  shuidhe  air  cathair  rioghail,  agus  seraphim 
OS  a  chionn  air  an  robh  se  sgiathan,  ag  glaodhach 
Naomh,  Naomh,  Naomh,  Tighearna  nan  sluagh, 
agus  a  thubhairt,  Mo  thruaighe  mise  !  oir 
is  duine  mi  aig  a  bheil  bilean  neoghlan," 
"  cha  toir,  cha  toir,  a  Mhairi,  cha  toir  sinn 
Isaiah  air  idir  ;  cha  bhiodh  e  cneasda  d'  ar 
leithidean-ne  a  bhi  anns  an  aon  tigh  ri  Isaiah, 
no  a'  gabhail  an  ainme  sin  air  ar  bilean  a 
h-uile  la  mar  nach  robh  ann  ach  mar  gu'm 
biodh  ainm  eile.  Cha  bhithinn-sa  comh- 
fhurtachail  no  foisneachail  gu  brath  tuilleadh 
'n  am  thigh  fein." 

Bha  Eachann  Mac  Cuaraig  'n  a  dhuine 
laghach  agus  'n  a  dhuine  sitheil,  is  dh'  aontaich 
e  a  toil  a  thoirt  d'a  mhnaoi  agus  ainm  faidh 
a  thoirt  air  am  mac,  ach  bha  e  'n  a  dhuine 
iriosal  cuideachd  is  thubhairt  e  rithe  gu'n 
deanadh  ainm  fear  de  na  faidhean  beaga  an 
gnothuch ;  Obadiah,  no  Nahum,  no  Habacuc, 
no  fear  de'n  t-seoi'sa  sin  nach  biodh  eagal  aca 
roimhe. 

Sin  mar  a  fhuair  Habacuc  Mac  Cuarig  an 
t-ainm  a  bha  dha  mar  sgolb  'n  a  fheoil  o'n 
cheud  la  a  chaidh  e  do'n  sgoil  agus  a  thoisich 
na  balaich  eile  air  tarruing  as. 

Full  is  fallus 

Fichead  bliadhna  lean  a  pharantan  orra  ag 
oibreachadh  o  mhoch  gu  dubh  a'  cur  cruinn 
an    airffid    a    chuireadh    Habacuc    troimh    'n 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Chollaist.  Ged  nach  d'  fheuch  am  maighstir- 
sgoil  no  an  t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain  ri 
Habacuc  a  chumail  air  ais  bha  a  mhathair  ag 
aithneachadh  gu  maith  air  an  aodainn  nach  e 
an  aon  bheachd  a  bha  aca  air  a'  ghille  's  a 
bha  aice  fein.  Ach  theireadh  i  gu  robh  e  na 
b'  fhasa  do  mhathair  an  rud  a  bha  ann  am 
balach  a  thuigsinn  na  bKa  e  do  mhinistear  no 
do  mhaighstir-sgoil,  agus  gu  robh  e  cho  soilleir 
dhi  ris  a'  ghrein  gu'm  biodh  Habacuc  'na 
shoitheach  taghta  fhathast  a,nn  am  fion-hos  an 
Tighearn.  "  Air  uairean,"  ars'  ise,  "  an  uair  a 
bhitheas  e  'n  a  shuidhe  leis  fein,  agus  gun  e 
sealltainn  idir  air  an  leabhar  a  tha  'n  a  laimh 
no  air  a  ghliiinean,  thig  coslas  air  aodann  mar 
gu'm  biodh  e  a'  faicinn  ainglean  fad  bhuaith, 
is  saoihdh  mi  gu  bheil  e  anns  a'  cheart  shuidhe- 
achadh  anns  an  robh  Pol  an  uair  a  thogadh  suas 
eguParras,agus  a  chual  e  briathra  do-labhairt." 
"  Ciod  a  tha  am  maighstir-sgoil  ag  radh 
uime  ?  "  dh'  fhaighnich  am  ministear,  la  a  bha 
Mairi  a'  bruidhinn  ris  mu  Habacuc.  "  Tha 
am  maighstir-sgoil,"  ars'  ise,  "  coltach  r'a 
sheorsa  uile,  a'  cur  barrachd  cudthroim  air 
eolas  agus  gibhtean  inntinn  na  tha  iad  a'  cur 
air  gras  Dhe,  ach  nach  'eil  an  Leabhar  Naomh 
ag  radh,  ma  dh'  iarras  neach  rioghachd  Dhe, 
cuirear  na  nithe  so  uile  ris,  Laidionn,  agus 
Eabhra,  agus  Greigis  !  Agus  ged  tha  am 
maighstir-sgoil  ag  radh  gu'n  d'  fhairtlich  air 
Laidionn  a  chur  ann  an  ceann  Habacuc,  an 
ann  le  Laidionn  a  leag  Daibhidh  bg  Goliath, 
no  an  ann  le  Laidionn  a  chuir  losua  ruaig  air 
armailtean  nan  coimheach  ? 

O'n  Oban  gu  Cill-rimhinn 

An  deireadh  an  f hoghair,  fad  dheich  bliadhna, 
bha  a  mhathair  a'  dol  do'n  Oban  le  Habacuc,  'g 
a  fhaicinn  air  carbad-iaruinn  a  bheireadh  do 
Chill-rimhinn  e.  Cha  robh  fhios  aig  diiine  an 
Cille-sgumain  ciod  a  bha  e  a'  deanamh  an 
Cill-rimhinn,  no  ciod  a  bha  luchd-teagaisg  is 
cinn  a'  Chollaist  a'  saoilsinn  dheth,  ach  an  uair 
a  thigeadh  e  dhachaidh  ann  an  deireadh  an 
Earraich  bha  a  mhathair  cho  mor  as  's  gu'n 
cuireadh  i  oirre  boineid  riomhach  agus  dolman 
riomhach  a'  cheud  Shabaid  a  rachadh  iad  do'n 
eaglais  comhla.  Ach  ma  bha  a  mhathair  mor 
a  Habacuc  cha  robh  Habacuc  mor  as  fhein  ; 
bha  e  cho  diiiid  narach  ri  maighdinn  ;  a  h-uile 
duine  a  shealladh  air  bha  eagal  air  gu  robh 
iad  a'  magadh  air  a  chionn  gu  robh  a  cheann 
cho  mor,  agus  cho  beag  de  Laidionn  ann, 
agus  b'  fhearr  leis  na  rud  air  an  t-saoghal 
gu'n  leigeadh  a  mhathair  leis  fantuinn  aig  an 
tigh,  gun  do]  do  Chill-rimhinn. 

Anns  an  fhasach 

An  ceann  bhliadhnachan  fhuair  Habacuc 
Mac  Cuaraig  cead-searmonachaidh  bho  Chleir 
Mhuile,  agus  an  sin  chaidh  e  a  mach  gu  fasach 


a  bu  mhiosa  na  fasach  Shuir  anns  an  robh 
clann  Israeli.  Cha  d'  fhuair  e  gairm  o  choimh- 
thional  riamh,  no  aite  dha  fein  ;  a  h-uile  aite 
anns  an  searmonaicheadh  e  b'e  ainm  an  aite 
sin  Marah ;  cha  tainig  e  riamh  gu  Elim.  Thug 
an  t-Ollamh  Ruairidh  Mac  Leoid  agus  Mghr 
Dunnett  gach  cothrom  dha  a  b'  urrainn  dhaibh, 
'g  a  chur  a  mach  an  sud  agus  an  so  air  feadh 
na  diithcha,  gus  mu  dheireadh  nach  mor 
gu  robh  coimhthional  anns  a'  Ghaidhealtachd 
nach  cuala  an  da  shearmon  a  bha  aige,  searmon 
air  a'  cheann -theagaisg,  "  Thug  Melchisedec 
righ  Shaleim  a  mach  aran  agus  fion,"  agus 
searmon  eile  air  a'  cheann-theagaisg,  "  Bha 
duine  de  na  Phairisich  d'  am  b'  ainm  Nico- 
demus." 

Bha  e  cho  diuid  agus  nach  gabhadh  e  os 
laimh  air  son  an  t-saoghail  searmonachadh  ann 
an  eaglais  Chille-sgumain,  ged  thug  an  t- 
Urramach  Niall  Mac  Pharlain  cuireadh  dha 
iomadh  uair.  Bha  fhios  aige  nach  robh  ann 
fein  ach  searmonaiche  truagh,  agus  bha  eagal 
air  gu  rachadh  na  balaich  agus  daoine  oga 
a  mhagadh  air,  agus  mar  sin  bhitheadh  e  a' 
seachnadh  na  sgoile  agus  aitean  eile  ann  am 
biodh  oigridh  cruinn. 

Ged  bha  na  coimhearsnaich  coibhneil  ris 
bha  fhios  aige  gu  maith  gu  robh  fhios  aca  uile 
nach  robh  ann  ach  ministear-maide,  ach  ged 
bha  sin  'g  a,  ghortachadh  bha  e  'g  a  ghorta- 
chadh  na  bu  mhotha  gu  robh  e  'n  a  bhriseadh- 
diiil  agus  'n  a  bhriseadh-cridhe  d'a  mhathair. 
Mu  dheireadh  cha  rachadh  e  a  mach  idir  ann 
an  solus  an  la,  air  eagal  gu'n  tachradh  daoine 
air. 

A'  bhuille-bhais 

An  sin  rinn  cleireach  ann  an  Diin-eideann 
mearachd,  cleireach  ann  an  121  Sraid  Sheorais, 
is  chuir  mearachd  a'  chleirich  crioch  air  obair 
Habacuc  Mhic  Cuaraig.  B'e  am  mearachd  a 
rinn  an  cleireach,  gu'n  do  chuir  e  gun  fhios 
da  ann  an  litir  a  bha  e  a'  sgriobhadh'gu  Habacuc, 
ag  iarraidh  air  dol  suas  Sabaid  gu  Bun-ilidh, 
litir  eile  a  fhuair  e  o  chleireach-seisein  ann  an 
Leodhas : 

"  Bhithinn  'n  'ur  comain  na'n  cuireadh  sibh 
thugainn  ministear  a  ghabhadh  aite  a' 
mhinisteir  againn  fein  Sabaid  no  dha, 
agus  e  tinn.  Mur  bheil  ministear  agaibh 
a  tha  freagarrach,  dheanadh  oileanach 
og  feum  maith  gu  leor.  Ach  feuchaibh 
nach  cuir  sibh  thugainn  Habacuc  Mac 
Cuaraig.  Ma  thig  esan  bu  cho  maith 
an  eaglais  a  bhi  duinte  ;  tha  sinn  seachd 
sgith  de  Nicodemus." 


Cha   do   sheas    e    ann   an   cubaid  riamh    'n   a 
dheidh  sud.     Cha  mho  a  rachadh   e  a  mach 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


as  an  tigh,  no  dh'  fhanadh  e  anns  a'  chitsin 
an  uair  a  rachadh  coignch  a  steach.  Ach 
ged  nach  robh  e  a'  dol  a  mach  a  shearmona- 
chadli  cha  leigeadh  a  mhathaii'  leis  colair 
ministeir  no  aodach  ministeir  a  chui*  dheth  ; 
air  uairean  ann  an  ciaradh  an  fheasgair  dh' 
fhaodadh  tu  fhaicinn  a'  sraideamachd  leis 
fein  air  beulaibh  an  doruis  agus  cota  fada^dubh 


air  is  ad  ard  chruaidh  air  a  cheann.  Shiubhail  e 
m  an  do  rainig  e  da  fhichead,  ach  ged  a  leon 
cruadhas  an  t-saoghail  a  chridhe  fein  agus 
cridhe  a  mhathar,  gu  la  a  bhais  bha  i  ag  altrum 
dochas  gu'm  faigheadh  e  gairm  o  choimh- 
thional  air  chor-eigin,  agus  an  sin  gu'm  faiceadh 
an  saoghal  na  buadhan  iongantach  a  bha  aig 
Habacuc. 


Aig  an  Uinneig 


Lachlainn  Mac  Gilleathain 

LEIG  am  missionaraidh  urramach  so  dheth 
a  dhreuchd  am  bliadhna,  an  deidh  seir- 
bhis  mhaith  agus  dhileas  a  dheanamh  ann  an 
eilean  Thiriodh  mu  thri  bliadhna  deug*  air 
fhichead.  Bha  e  ann  an  aite  no  dha  mu 
Thuath  m'  an  do  shuidhicheadh  e  ann  an  eilean 
a  dhiithchais,  ach  b'  ^  obair  ann  an  Tiriodh 
f  ior  obair  a  bheatha. 

Ged  tha  e  air  a  radh  nach  'eil  urram  air  a 
thoirt  do  fhaidhean  'n  an  diithaich  fein  cha 
robh  am  facal  sin  fior  a  thaobh  Lachlainn  Mliic 
Gilleathain,  oir  bha  meas  mor  air  am  measg 
a  dhaoine  fein,  is  thug  muinntir  an  eilein  dha 
an  t-urram  sin  a  bhuineas  daonnan  do  sheir- 
bhisich  an  Tighearna  a  tha  diirachdach  'n  an 
obair,  iriosal  is  baigheil  'n  an  nadur,  agus 
faicilleach  'n  an  caitheamh-beatha. 

Bha  laithean  maith  agus  laithean  dona 
aig  eaglais  na  h-Alba  ann  an  Tiriodh,  ach  bha 
e  'n  a  chomhfhurtachd  do  mhuinntir  na  h- 
eaglais,  aig  an  tigh  agus  bho  'n  tigh,  anns 
na  droch  laithean  anns  an  robh  cor  na  h- 
eaglais  gu  maith  iosal,  fhios  a  bhi  aca  gu  robh 
a  h-ursannan  air  an  cumail  suas  le  dithis  dhaoine 
cliiiteach  anns  an  robh  dilseachd  agus  taic, 
Lachlainn  Mor  aeus  Eoffhan  Mor,  an  dara 
fear  ann  an  Cornaig  agus  am  fear  eile  anns  a' 
Chaolas,  agus  iad  le  cheile  'n  am  foirbhich 
ann  an  Circe-pol.  B'e  an  dithis  ud  na  pearsa- 
chan-eaglais  a  bu  ghasda  a  b'  aithne  dhomh-sa 
anns  an  eilean  ri  mo  linn. 

Bha  Lachlainn  Mac  Gilleathain  'n  a  shear- 
monaiche  maith  an  Gaidhlig,  is  dh'  eisdeadh 
am  mor-shluagh  ris  riamh  le  tlachd,  ach  na 
b'  fhearr  na  sin  bha  e  'n  a  duine  maith  agus 
'n  a  dhuine  glic,  faireachail  an  am  trioblaid, 
agus  faicilleach  agus  tosdach  'n  a  dhol  a  mach 
agus  'n  a  theachd  a  steach  am  measg  an  t- 
sluaigh.  B'  aithne  dha  faire  a  chur  air  a 
bheul  agus  dorus  a  bhilean  a  ghleidheadh, 
rud  fiachail  ann  am  missionaraidh  no  ann  am 
ministear. 

A  thuilleadh  air  t^lantan  a  bhi  aige  a  bha 
feumail  d'a  dhreuchd  bha  Lachlainn  Mac 
Gilleathain  'n  a  dhuine  coir,  seanchasail,  ris 
am  b'  fhiach  dhuit  eisdeachd  'nuair  a  thoisich- 
eadh  e  air  nithean  nuadh  agus  sean  a  tharr- 
uing  a  mach   as   a  chuimhne  laidir,  agus   air 


nithean  neonach  a  thachair  air  'n  a  bheatha 
innseadh  ann  an  doigh  laghach  abhacach. 

Bha  e  cho  glic  agus  cho  riaghailteach  'n  a 
theagasg  's  a  bha  e  'n  a  bheatha  agus  'n  a 
sheanchas  ;  a'  roinn  aran  na  beatha  ann  an 
cainnt  reidh  agus  le  caomhalachd  an  Tiomnaidh 
Nuaidh,  gun  ghairge,  agus  gun  straighhch. 
Anns  an  dealachadh  thug  inuinntir  an  eilein 
tiodhlacan  dha  fhein  agus  d'a  mhnaoi  mar 
chomharradh  air  a'  mheas  a  tha  aca  orra,  agus 
air  an  obair  mhaith  a  I'inn  e  ann  an  Cornaig, 
agus  bu  mhaith  leam-sa  mo  bhuidheachas 
fein  agus  buidheachas  mhinistearan  eile  a 
bhuineas  do'n  eaglais  a  thoirt  dha  air  an 
duilleig  so. 

Colla  agus  Tiriodh 

No  mar  bu  choir  dhomh  a  chur,  Tiriodh  agus 

Colla,  oir  chan  'eil  ann  an  Colla  an  coimeas  ri 

Tiriodh  ach  an  ffocan  an  coimeas  ris  a'  chuthaiff. 

An    toiseach    an    t-samhraidh    bha    leabhar 

beag  air  a  chur  a  mach  mu'n  da  eilean  so,  air 

a  sgriobhadh  le  Eachann  Diighallach  agus  leis 

an    Urramach   Eachann    Camshron,    an    dithis 

a  bu  f  hreagarraiche  air  a  shon  as  aithne  dhomh, 

oir    tha    iad    le    cheile    'n    an    seanchaidhean 

barraichte  d'  an  aithne  a  h-uile  clach  is  iomaire 

an  tir  an  araichj  is  dh'  fhaodainn  a  radh  gu 

bheil  iad  'n  am  baird  cuideachd.     Agus  is  e 

na  baird  na  Sar-mhaithean  ann  an  saoghal  nan 

saoi  ;  chan  'eil  ann  an  each  ach  gillean-bhioran 

laimh  riu.     Tha  iomadh  rud  anns  an  leabhar 

bheag  so  a  chord  rium,  a  chionn  gu  bheil  iad 

a'  diisgadh  seann  chuimhneachain  'n  am  inn- 

tinn,  ach  is  e  an  rud  as  fhearr  agus  as  maireann- 

aiche  a  tha  ann  air  fad,  a'  cheud  rann  anns  a 

bheil  am  bard  a'  labhairt  mu'n  Charn  Chollach : 

Sud  thu  thall  an  cois  nan  caoch-shruth 

'N  ailbhinn  aosd'  ri  aghaidh  sal — • 

Cuspair-ruin  nan  tonn  's  nan  gaothan 

Bhios  ag  caonnag  riut  gach  la. 

Theagamh  gur  ann  air  son  nan  coigreach  a 
bhios  a'  dol  a  mach  do  Cholla  agus  do  Thiriodh 
anns  an  t-samhradh  a  bha  an  leabhar  so  air 
a  dheasachadh,  ach  bheir  e  toileachadh  agus 
fiosrachadh  do  mhoran  de  naisinn  an  da  eilein 
cuideachd,  oir  tha  fiosrachadh  ann  a  chruinnich 
iad  a  leabhraichean  eile,  o  bheul-aithris  nan 
seanairean,  agus  as  an  cinn  fhein,  nach  fhaigh- 
teadh  air  dhoiffh  eile. 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


Chan  'eil  e  a'  cosd  ach  tasdan  ;  b'  fhiach  an 
da  mhap  agus  na  dealbhan  a  tha  ann  barrachd 
is  tasdan. 

Comh-chruinneachadh  Spioradail 

Bithidh  coinneamhan  air  an  gleidheadh  an 
Srath-Pheofharan  le  Comh-chruinneachadh 
Spioradail  an  taobh  Tuath  anns  an  Fhoghar 
mar  is  abhaist,  a'  toiseachadh  air  an  t-seachd- 
amh  la  fichead  de  September.  Bithidh  R. 
B.  Stiubhard  anns  a'  chathair,  mar  bha  e  o 
chionn  bhliadhnachan,  agus  tha  diiil  gu'm  bi 
na  ministearan  so  a'  labhairt, 

Canon  A.  St.  John  Thorpe,  M.A.,  Bath. 
An    t-Urramach     F.     C.     Gibson,     M.A., 

Belfast. 
An  t-Urramach  A.  G.  W.  Macbeath,  B.D. 

A  h-uile  la  bithidh  coinneamh-iirnuigh  air  a 
cumail  aig  leth-uair  an  deidh  seachd  's  a' 
mhaduinn,  agus  coinneamhan  mora  aig  aon 
uair  deug,  aig  tri  uairean,  agus  aig  seachd. 
Ged  is  ann  anns  an  togail  aig  Eaglais  na  h- 
Alba  a  bhitheas  na  coinneamhan  air  an  cumail 
chan  'eil  gnothuch  aig  eaglais  seach  a  cheile 
riu  ;  tha  iad  fosgailte  do  na  h-uile,  agus  is  e  a' 
chrioch  araidh  a  tha  's  an  t-sealladh  fas  nan 
gras  a  thighinn  air  luchd-aideachaidh  ann  am 
braithreachas  an  t-soisgeil.  Duine  air  bith 
leis  am  bu  mhaith  dol  a  dh'  ionnsuidh  nan 
coinneamhan  so,  ma  chuireas  e  fios  an  am 
gu  H.  W.  Oldham,  am  Baile  Dhuthaich,  gheibh 
e  gach  seoladh  a  bhios  a  dhith  air. 

Bithidh  coinneamhan  air  son  dhaoine  oga 
air  an  cumail  o'n  24™^  1^  gus  an  27^^  la  de 
September.  Tha  e  air  iarraidh  orra-san  uile 
aig  a  bheil  iiigli  anns  an  t-soisgeul  agus  ann  an 
rioghachd  Dhe  a  bhi  ag  urnuigh  gu'm  beann- 
aicheadh  Dia  na  coinneamhan  so. 

Daibhidh  Mac  Mhicheil 

Bithidh  moran  dhaoine  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd,  agus  gu  sonruichte  moran  nihinistearan, 
duilich  gu'n  do  chaochail  an  t-Urramach 
Daibhidh  Mac  Mhicheil,  B.D.,  air  a'  mhios  a 
chaidh  seachad.  Bu  mhac  e  do  sheana  mhinis- 
tear  Chreiginnis,  a  shiubhail  ann  an  1916,  agus 
brathair  do  Dhonnchadh  Mac  Mhicheil  a  bha 
aon  uair  'n  a  mhinistear  an  Gearasdan  Inbhir 
Lochaidh,  agus  a  tha  a  nis  an  Largo.  Bha  iad 
le  cheile,  agus  Niall  am  brathair  a  bha  'n  a 
bhreitheamh  anns  na  h-Innsibh  an  Ear,  air  an 
oileanachadh  an  Dun-eideann,  agus  'n  am  fior 
sgoilearan  maith.  M'  an  do  leig  Daibhidh 
Mac  Mhicheil  dheth  a  dhreuchd  bha  e  mu 
dheich  bliadhna  'n  a  mhinistear  anns  a'  Ghearas- 
dan,  agus  roimh  sin  mu  dheich  bhadhna  ann  an 
Ceylon,  ach  b'  e  a'  mhinistrealachd  a  choimhlion 
e  anns  an  Eaglais  Ghaidhlig,  an  Grianaig,  bho 
1892  gu  1912,  a'  chuid  a  b'  fhearr  d'a  shaothair 
agus  d'a  bheatha.  Bha  meas  mor  air  ann  an 
Grianaig  agus  bha  tabhachd  is   dicheall  'n  a 


obair.  Bhithinn  air  uairean  'g  a  chluinntinn 
anns  na  laithean  ud,  agus  mi  'n  am  oileanach 
bg,  is  tha  cuimhne  agam  f  hathast  air  cho  ordail 
's  a  bha  e  air  cheann  seirbhis.  Bha  e  'n  a 
dhuine  laghach,  baigheil  ri  daoine  oga  gu 
sonruichte,  agus  anabarrach  coir  'n  a  thigh  fein. 

Cruinneachadh-mor  Dhun-eideann 

Air  a'  mhios  a  chaidh  seachad  bha  maithean 
bho  na  h-eaglaisean  Criosduidh  air  feadh  an 
t-saoghail  (ach  a  mhain  o'n  eaglais  Phapanaich) 
cruinn  ann  an  Dim-eideann  a  chur  an  comhairle 
ri  cheile  mu  aonachd  eaglais  Chriosd,  agus  mu 
chiiisean  eile  a  bhuineas  do  chreideamh  na 
h-eaglais,  smachd  na  h-eaglais,  riaghladh  na 
h-eaglais,  agus  dreuchd  na  ministrealachd. 
Mur  tig  maith  as  na  coinneamhan  sin  cha 
tig  cron  asda  co  dhiu,  is  tha  e  iomchuidh  gu'n 
abradh  eaglaisean  ri  cheile  ann  an  doigh 
bhraithreil,  "  Thigibh  a  nis,  agus  tagramaid 
ri  cheile,  agus  tuigeamaid  a  cheile,  a  dh' 
fheuchainn  am  faic  sinn  ciod  iad  na  nithean  mu 
bheil  sinn  a'  cordadh  agus  ciod  na  nithean  a 
tha  'g  ar  dealachadh."  Aig  na  coinneamhan 
ud  bhitheadh  e  iomchuidh  na  facail  so  a  bhi 
air  an  sgriobhadh  air  clar,  agus  air  an  togail 
suas  fa  chomhair  nan  uile. — Chan  'eil  ann  am 
hriathran  ach  hriathran  fhei?i. 

Tha  da  fhacal  gu  sonraichte  air  am  feum 
daoine  a  bhi  'n  an  earalas,  an  uair  a  thoisicheas 
iad  air  reusonachadh  mu  na  gnothuichean  a 
bha  air  am  beulaibh  an  Dim-eideann,  am  facal 
eaglais  agus  am  facal  ao?iachd.  Ciod  a  thatar 
a'  ciallachadh  leis  an  eaglais  ?  Agus  ciod  a 
thatar  a'  ciallachadh  le  aonachd  ? 

Tha  moran  dhaoine  leis  am  bu  mhaith  aon 
eaglais  mhor  f  haicinn  air  thalamh,  air  a  cumail 
ri  cheile  le  bannaibh  riaghlaidh  agus  le  bann- 
aibh  creuid,  ach  tha  e  ceart  gu'm  bitheadh 
fhios  aca  nach  'eil  iarraidh  air  bith  aig  moran 
dhaoine  eile  air  an  t-seorsa  aonachd  sin.  Chan  e 
mhain  nach  iarrainn  fhein  an  seorsa  aonachd  sin, 
ach  tha  mi  an  diiil  gu'm  bitheadh  e  'n  a  chunnart 
do'n  t-saoghal.  Tha  na  leugh  mi  a  dh'  eachd- 
raidh  na  Criosdachd  a'  teagasg  dhomh  gur 
ann  anns  na  laithean  anns  am  bu  mho,  agus 
am  bu  laidire,  agus  am  b'  aonaichte  (o'n 
taobh-a-muigh)  an  eaglais  a  b'  isle  cor  na 
diadhaidheachd.  Chan  'eil  anns  an  aonachd 
chorporra  a  tha  dhith  air  na  daoine  a  tha  creid- 
sinn  ann  an  aon  eaglais  mhor  air  thalamh  ach 
bruadar  faoin  ;  teine-sionnchain  a  tha  cur 
seachran  'n  an  cinn.  Tha  mise  a'  creidsinn  le 
m'  uile  chridhe  gu  bheil  am  buidheann  beag  ris 
an  abrar  na  Braithrean  (no  na  Quakers),  agus 
am  buidheann  beag  eile  ris  an  abrar  Eaglais 
Shaor  na  h-Alba  na's  dliiithe  do  inntinn  Chriosd 
agus  do'n  Tiomnadh  Nuadh  na  eaglais  mhor 
na  Roimhe  ged  theirear  rithe-sa  "  an  Eaglais 
Naomh  Choitchionn,"  agus  ged  theirear  riti- 
san  "  sgealban  eas-aonaichte  nach  buin  idir 
do  'n  eaglais  choitchionn." 


Aireamh  lo 


1937 


Mu  airgiod 


"  Cia  deacair  dhaihh-aan  ai(/  am  b/ieil  naoibhreas  dol  a  steach  do  ruMjliarlid  l)ke  ?     Oir  is  Ui<a  do  chamhal  dol 
troimh  chrb  snhthaid  na  do  dhiitne  saolhhir  dol  a  steach  do  rtoghaclid  Dite." — Criosd. 


BHA  mi  a'  searmonachadh  an  de  mu'n  uach- 
daran  araidh  a  dh'  fheoraich,  "  Ciod  a  ni 
mi  chum  gu'n  sealbhaich  mi  a'  bheatha  mhair- 
eannach  ?/'  agus  a  bha  ro  dhuilich  an  uair  a 
dh'  iarr  Criosd  air  a  shaoibhreas  uile  a  thoirt 
do  na  bochdan  chum  gu'm  bitheadh  ionmhas 
aige  air  neamh.  Rinn  mi  mar  a  b'  fhearr  a 
b'  urrainn  mi  anns  an  iiine  ghoii'id  a  cheadaich- 
eas  saoghal  cabhagach  do  mhinistearan  an 
diugh,  ach  an  deidh  dhomh  criochnachadh,  bha 
amharus  bea^^i  am  chridhe  nach  robh  mo 
theagasg  cho  soilleir  's  is  abhaist  dha  a  bhith, 
agus  gu'm  b'  e  an  t-aobhar  nach  robh  mi 
f  hein  cinnteach  ciod  a  bha  Criosd  a'  ciallachadh 
leis  an  fhacal  ud  a  thubhairt  e  ris  an  duine 
shaoibhir.  Agus  bha  amharus  agam  cuideachd 
nach  robh  aon  duine  anns  a'  choimhthional 
a'  creidsinn  gu  robh  an  t  -  airgiod  no  an 
tighinn-a-stigh  a  bha  aca  'g  an  cumail  a  mach 
a  rioghachd  Dhe,  ged  bha  barrachd  airgid  aig 
moran  dhiubh  na  tha  agam-sa. 

-    Ceist  dhuilich 

An  uair  a  thoisicheas  duine  air  bruidhinn  mu 
airgiod  ann  an  ceangal  ris  a'  bheatha  spiorad- 
ail,  no  mu  theagasg  Chriosd  a  thaobh  aii'gid, 
feumaidh  e  a  smuaintean  agus  a  bhriathran  a 
thomhas  gu  cothromach  air  eagal  gu'n  abair  e 
rud  nach  'eil  Dia  ag  radh,  no  rud  nach  'eil  a 
reir  ar  tiir  nadurra.  Tha  fichead  sloe  anns 
am  faod  e  tuiteam  mur  toir  e  an  aire. 

Tha  seorsa  dhaoine  ann  a  bhios  daonnan 
a'  bruidhinn  mar  gu'm  biodh  daoine  bochda 
na's  diadhaidhe  na  daoine  beartach,  ach  chan 
'eil  dearbhadh  air  bith  aca  gu  bheil  sin  fior. 
Tha  a'  cheart  uiread  ain-diadhaidheachd  am 
measg  nan  iosal  's  a  tha  am  measg  nan  uasal, 
agus  theagamh  am  barrachd,  a  chionn  gu 
bheil  na  bochdan  na's  lionmhoire.  An  aite 
a  bhi  creidsinn  gu  bheil  e  'na  bheannachd 
do  dhuine  a  bhi  bochd  tha  sinn  uile  a'  deanamh 
ar  dichill  air  bochdainn  a  chumail  uainn  fein 
agus  o  dhaoine  eile,  is  tha  sinn  cinnteach  nach 
bacadh  Dia  dhuinn  sin  a  dheanamh.  Chan 
'eil  teaghlach  no  sgoil  anns  an  diithaich  anns 
nach  'eil  e  air  a  theagasg  do  chloinn  le  am 
parantan  agus  le  maighstirean-sgoile  gur  coir 
dhaibh-a  bhi  gleusda  agus  dichiollach  los  aran 
glan  a  chosnadh  dhaibh  fein,  agus  iad  fein  a 
chur  air  aghaidh  anns  an  t-saoghal.  A  bheil 
e  cearr  do  pharantan  comhairlean  de  'n  t-seorsa 


.sin  a  thoirt  air  an  cloinn,  no  a  bheil  iad  a'  dol  an 
aghaidh  teagasg  Chriosd  ?  Chan  'eil  idir  ;  tha 
e  ceart  do'n  h-uile  duine  a'  chuid  as  fhearr  a 
dheanamh  d'a  thalantan  agus  d'a  chothroman. 

Cor  nam  bochd 

Thubhairt  Keir  Hardie  nach  maireann  nach 
'eil  e  furasda  do  dhuine  a  bhi  'n  a  Chriosduidh  air 
punndSasunnach  's  ant-seachduin.  Mur  bheil  an 
fhirinnuile  anns  an  fhacal  sin,  tha  tomhasdhi  ann 
CO  dhiu ;  tha  e  moran  na  's-usa  do  dhiaine  aig  a 
bheil  tri  cheud  not  anns  a'bhliadhna  tighinn  beo 
gu  glic  agus  gu  riaghailteach  agus  gu  diadhaidh 
na  tha  e  do  dhuine  a  tha  leth  na'bliadhna  air 
an  deirc. 

Anns  na  seann  laithean,  na  laithean  anns 
an  robh  Criosd  air  thalamh,  agus  anns  an 
aird  an  Ear,  bha  e  fada  na  b'  usa  do 
dhuine  bochd  tighinn  beo  mar  chreutair 
reusonta  agus  mar  mhac  Dhe  na  tha  e  an 
diugh.  Ann  an  eilean  mor  Bhreatuinn  an 
diugh  c'  aite  am  faigheadh  tu  duine  bochd  aig 
a  bheil  an  t-eolas  agus  an  gliocas  agus  an  cumh- 
achd  a  bha  aiff  Socrates,  affus  aiff  iomadh  fear 
eile  da  sheorsa,  ged  nach  robh  beo-shlaint 
chinnteach  aca  ?  Chan  'eil  iad  ann,  is  chan 
urrainn  iad  a  bhi  ann,  oir  tha  airgiod  na's 
feumaile  ann  am  beatha  dhaoine  an  diugh  na 
bha  e  anns  an  t-seann  t-saoghal.  Feumar  sin 
a  chuimhneachadh  an  uair  a  bhios  sinn  a' 
feuchainn  ris  na  nithean  a  thubhairt  Criosd 
mu  airgiod  a  thuigsinn. 

Saoghal  iir 

Tha  suidheachadh  agus  cleachdanna  an 
t-saoghail  an  diugh  a'  togail  fichead  ceist  a 
thaobh  airgid  air  nach  do  smuainich  agus  nach 
do  labhair  Criosd  riamh,  ach  bha  aon  rud  a  bha 
e  a'  faicinn  gu  soilleir  a  h-uile  la,  gu  robh  an 
gaol  a  bha  aig  daoine  air  airgiod  agus  air 
gloir  sh^oghalta  agus  comhfhurtachd  shaogh- 
alta  a'  tarruing  air  falbh  an  cridheachan  o  Dhia. 
Mar  sin  bha  e  a'  toirt  rabhaidh  dhaibh  gun 
sgur  mu'n  chunnart  anns  an  robh  daoine 
beartach,  agus  cia  deacair  a  bha  e  dhaibh 
dol  a  steach  do  rioghachd  Dhe.  Cha  d' 
ainmich  e  riamh  an  t-suim  a  dh'  fheumas  a 
bhi  aig  duine  m'  an  abrar  "  duine  beartach  " 
ris,  oir  bha  fhios  aige  gu'm  faod  am  fear-oibre 
aig  nach  'eil  ach  da  phunnd  's  a  criin  's  an 


2 


MU  AIRGIOD 


t-seachduin  a  bhi  air  a  bheo-ghlacadh  le  sannt 
agus  gaol  airgid  na's  mo  na  duine  eile  aig  a 
bheil  deich  mile  's  a'  bhliadhna. 

Rioghachd  na  feola 

Chan  e  rioghachd  Dhe  a  tha  na  bochdan 
ag  iarraidh  an  diugh,  no  a'  mhor-chuideachd  de 
shluagh  na  diithcha,  ach  rioghachd  na  feola, 
toil-inntinn  an  t-saoghail  a  tha  lathair,  is  tha 
gaol  aca  air  airgiod  a  chionn  gur  e  airgiod  an 
iuchair  as  luaithe  a  dh'  fhosglas  dhaibh  dorsan 
na  rioghachd  sin.  Chan  fhosgail  airgiod  geata 
rioghachd  neimh,  is  cha  toir  e  dhaibh-san  aig 
a  bheil  e  an  t-sith  agus  an  suaimhneas  dionihair 
sin  anns  a  bheil  beatha  an  duine,  ach  fosglaidh 
e  dorsan  rioghachdan  eile  anns  ani  faighear 
samhladh  sonais  car  greis. 


Tha  rud  no  dha  anns  an  naidheachd  so  nach 
'eil  idir  soilleir.  Ged  nach  'eil  e  air  a  radh 
air  a  cheann  gu'n  do  chuir  an  duine  saoibhir 
ud  ciil  ri  Criosd,  sin  am  beachd  a  tha  aig  daoine 
am  bitheantas,  nach  do  lean  e  e.  Ach  faodaidh 
e  bhith  gu'n  do  lean  e  Criosd  ged  nach  d'  aont- 
aich  e  ri  mhaoin  a  roinn  am  measg  nam  bochd. 
Bha  deisciobuil  eile  aig  Criosd  aig  an  robh 
sporan  airgid,  ach  a  reir  choslais  cha  d'  iarr  e 
orra-san  na  bha  aca  a  thoirt  seachad.  Car  son 
a  dh'  iarr  e  e  air  an  duine  ud  ?  Tha  mi  an 
diiil  gu'n  d'  iarr  a  chionn  gu  robh  e  air  son 
a  theagasg  dha  gum  feuvi  daoine  a  bhi  a 
dtreadh  gu  brath  anns  a'  bheatha  spioradail. 

An  uair  a  dh'  fj^eoraich  an  duine,  "  ciod  a  ni 
mi  chum  gu'n  sealbhaich  mi  a'  bheatha  mhaire- 
annach  ?,"  cha  dubhairt  Criosd  ris,  "  Reic  na 
tha  agad  is  thoir  do  na  bochdan  e."  Is  e  a 
thubhairt  e,  "  Coimhead  na  h-aithntean." 
Fhreagair  an  duine,  "  Choimhid  mi  iad  o  m' 
oige."  Ged  nach  robh  e  a'  tuigsinn  airde 
agus  doimhne  lagh  an  Tighearna  chreid  Criosd 
gu'm  bu  duine  maith  e,  is  tha  sinn  a'  leughadh 
gu'n  do  ghradhaich  e  e.  Saoilidh  mi  gu  bheil  so 
a'  ciallachadh  gu  robh  bann  na  deisciobuileachd 
eatorra,  agus  gu'n  abradh  Criosd  nach  e 
mhain  gu  robh  e  dliith  do  rioghachd  Dhe  ach 
gu  robh  e  innte.  Ach  chaidh  Criosd  air 
aghaidh  is  thubhairt  e,  "  Ma's  aill  leat  a  bhi  • 
coimhlionta  reic  na  tha  agad  agus  roinn  air  na 
bochdan  e."  Chan  e  a  thubiiairt  e,  "  Ma's 
aill  leat  a'  bheatha  mhaireannach  a  shealbh- 
achadh,"  ach  "  ma's  aill  leat  a  bhi  coimhlionta," 
— reic  na  tha  agad.  Faodaidh  gu  bheil  mi 
cearr,  ach  tha  mi  an  diiil  nach  d'  iarr  Criosd 
riamh  air  muinntir  an  t-saoghail  an  ceum  mu 
dheireadh  so  a  ghabhail,  ach  a  mhain  air  a 
shluagh  fein,  agus  mar  sin  gu'm  faod  mi  a 
radh  gu  robh  an  duine  ud  air  a  thearnadh  eadh- 
on  ged  bha  e  duilich  nach  b'  urrainn  dha  a 
chuid  a  roinn  ri  daoine  nach  robh  f  hios  aige  c6 
iad. 


Co  iad  na  bochdan 

Ann  an  laithean  nan  abstol  roinn  feadhainn 
de  na  deisciobuil  an  cuid  uile  ris  na  bochdan, 
ach  bha  feadhainn  eile  nach  do  rinn  sin.  Chan 
urrainnear  a  radh  an  diugh  co  dhiubh  is  e  an 
gliocas  no  an  spiocarreachd  a  thug  orr a  sin  a  dhea- 
namh,  ach  an  ceann  greis  sguireadh  de'n  roinn 
ud.  Am  bitheadh  Criosduidhean  an  diugh  na 
bu  choimhlionta  na  tha  iad  na'n  toisicheadh  iad 
air  am  maoin  uile  a  roinn  air  na  bochdan.  Sin 
ceist  nach  'eil  furasd  a  fuasgladh  ged  a  shaoileas 
cuid  gu  bheil.  Tha  e  duilich  a  radh  c6  iad  na 
bochdan,  no  ciod  an  dleasdanas  a  tha  aig  duine 
ri  bochdan  a  dh'  fhaodadh  a  chuid  a  chur  gu 
buil  nach  cordadh  ris. 

Na'n  robh  ceud  punnd  Sasunnach  agam-sa 
a  dheanainn  gu  maith  as  an  eugmhais,  chum- 
adh  a'  cheist,  c6  air  an  roinninn  iad,  mo 
choguis  ag  oibreachadh  fad  seachduin.  Air 
an  dara  taobh  dhiom  tha  an  Coirneal  ;  tha 
da  luchairt  aige  agus  suas  ri  tri  fichead 
seirbhiseach,  ach  tha  e  ag  radh  gur  esan 
duine  as  bochda  anns  an  sgireachd,  rud  a  tha 
fior  anns  an  t-seagh  so  gu  bheil  barrachd 
ainbhich  air  na  tha  air  duine  eile  anns  an 
sgireachd.  Ach  na'n  roinninn  mo  cheud 
punnd  Sasunnach  ris-san  cha  tigeadh  as  ach 
gu  rachadh  iad  ann  am  pocanna  bhancairean 
air  chor-eigin  a  tha  moran  na's  beartaiche  na 
mise,  air  neo  gu'm  mi-chaitheadh  an  Coirneal 
an  t-airgiod  a'  losgadh  air  cearca-fraoich,  no  ri 
straighlich  eile.  Air  an  taobh  eile  dhiom 
tha  duine  air  nach  'eil  sgillinn  ainbhich,  a 
chionn  nach  eil  marsanta  anns  an  t-siorramachd 
a  bheir  dail  dha,  duine  leasg  gun  sgoinn. 
Na'n  roinninn  mo  cheud  punnd  Sasunnach 
ris-san  leumadh  a  chridhe  le  moit,  ach  dhean- 
adh  e  ris  an  airgiod  mar  a  rinn  e  ris  gach 
airgiod  a  bha  riamh  'n  a  lamhan  ;  dh'  fhalbhadh 
e  leis  a'  ghaoith  agus  leis  an  t-sruth.  Mar  sin 
tha  mi  an  diiil  gur  ann  'n  am  lamhan  fein  a 
bu  docha  an  t-airgiod  a  bhi  air  a  chur  gu  deagh 
bhuil,  agus  roinn  dheth  a  ruighinn  obair  na 
trocair  agus  obair  na  h-eaglais.  Mur  bheil 
airgiod  air  a  chur  gu  deagh  bhuil  b'  fhearr  do 
dhuine  gun  e  bhi  aige  idir. 


Na'n  robh  Criosd  air  ais  ann  am  Breatunn 
an  diugh,  far  a  bheil  laghannan  'g  an  deanamh 
leis  a'  Pharlamaid  a  h-uile  bliadhna,  a'  toirt  air 
an  duine  laidir  cuideachadh  leis  an  duine  lag, 
agus  a'  toirt  trian  mhaith  d'  am  maoin  shaogh- 
alta  o  dhaoine  beartach  chum  uallach  nam 
bochd  aotramachadh,  an  iarradh  e  air  neach  air 
bith  am  measg  a  luchd-leanmhuinn,  "  Reic  na 
tha  agad  de'n  t-saoghal  agus  thoir  do  na  boch- 
dan e."  Tha  mise  an  diiil  nach  iarradh,  a 
chionn  nach  freagradh  sin  air  doighean  na 
diithcha,  ach  tha  mi  cinnteach  gu'n  iarradh  e 


MU  AIRGIOD— ANNS  A'  CHATHAIR 


^ 


oirnn  a  bhi  na  's  criiadalaiche  na  tha  sinn,  gun 
eagal  a  bhi  oirnn  roimh  thomhas  de  bhochdainn, 
agus  gu'n  abradh  e  ruinn  mar  a  thubhairt  Pol, 


gur  e  gaol  an  airgid  freumh  gach  uile  sheorsa 
uilc  ;  buaireadh  agus  ribe  a  bhathas  daoine 
ann  am  milleadh  agus  ann  an  sgrios. 


Anns  a'  Chathair 


M; 


"AR  is  sine  tha  mi  a'  fas  is  ann  as  lugha 
a  tha  dh'  eagal  agam  roimh  an  t-seorsa 
dhaoine  ris  an  abrar  na  sar-dhaoine,  leithidean 
H.  G.  Wells,  agus  G.  B.  Shaw,  agus  Mussolini. 
An  uair  a  bha  mi  og  leughainn  na  bhios  an 
seorsa  dhaoine  so  ag  radh  mar  gu'm  b'e  an 
Sgriobtur  a  bha  agam,  oir  bha  mi  an  diiil 
(leis  cho  ard  's  a  bhios  iad  a'  bruidhinn)  gu 
robh  iad  fada  na  bu  ghlice  na  mi  fhein.  Mar 
sin  dh'  eisdinn  riu  le  urram  agus  le  irioslachd,  a' 
gabhail  ri  'm  briathran  agus  ri  'm  beachdan  mar 
lagh  o  shuas.  Ach  eha  dean  mi  sin  an  diugh, 
chan  ann  (tha  mi  an  dochas)  a  chionn  gu  bheil 
mi  a'  fas  na's  crosda  no  na's  connspoidiche  'n 
am  sheann  aois,  ach  a  chionn  gu  bheil  mi  a' 
faicinn  gu'm  bi  na  sar-dhaoine  so  ag  radh 
nithean  a  tha  fada  fada  na's  amaidiche  na  dad 
a  thubhairt  mi  fein  riamh,  agus  'g  a  radh  chan 
ann  am  feala-dha  ach  an  da-rireadh. 

Maithean  an  lonnsachaidh 

Bho  chionn  ghoirid  labhair  H.  G.  Wells  ri 
maithean  an  ionnsachaidh,  a'  cur  sios  air  an 
doigh  a  tha  clann  na  diithcha  air  an  teagasg 
anns  na  sgoilean,  agus  ag  radh  gu'n  teid  an 
saoghal  gu  buileach  a  dhith  mur  gabhar 
doigh  eile.  Agus  chan  'eil  teagamh  air  bith 
aige  nach  'eil  an  doigh  cheart  aige  fein.  Bu 
mhaith  leis  eachdraidh  na  h-Alba,  agus  eachd- 
raidh  Bhreatuinn,  agus  eachdraidh  rioghach- 
dan  eile,  a  bhi  air  an  teagasg  ann  an  doigh  nach 
diiisgeadh  fuath  no  naimhdeas  ann  an  cridhea- 
chan  na  cloinne  do  rioghachdan  nan  coimheach. 
Theid  a  h-uile  duine  turail  leis  anns  a'  chuid  so, 
ach  tha  dochas  agam  gu  bheil  a'  mhor-chuid- 
eachd  de  luchd-teagaisg  'g  a  dheanamh  so 
cheana,  agus  gur  e  gle  bheag  de'n  ghamhlas  a 
tha  aig  rioghachdan  d'a  cheile  a  tha  air  aobh- 
arachadh  leis  an  teagasg  a  tha  a'  chlann  a' 
faotainn  anns  an  sgoil.  Ma  tha  gamhlas  'n 
an  cridheachan  idir  tha  e  ag  eirigh  an  deidh 
laimhe.  Tha  mi  an  diiil  nach  fhiach  so  a  bhi 
bruidhinn  uime,  a  chionn  gvi  bheil  daoine  reus- 
onta  de'n  aon  inntinn  d'a  thaobh  ;  bu  mhaith 
leinn  air  fad  gun  droch  amharus  no  droch 
fhaireachduinean  a  bhi  air  an  cur  an  ceann 
cloinne  a  thaobh  nan  Gearmailteach  no  nan 
Turcach. 

Is  mo  duine  na  doigh 

Ach  chan  'eil  an  gnothuch  cho  furasda  's 
a  tha  H.  G.  Wells  a'  saoilsinn.  Na'n  robh 
esan  a'  teagasg  do  chloinn  mu   chogadh  nam 


Boers  theagamh  gu'n  abradh  e  riu  gu  robh 
Breatunn  cearr  agus  na  Boers  ceart  ;  theire- 
adh  maighstir-sgoil  eile  gu  robh  na  Boers 
cearr  agus  Breatunn  ceart.  Ciod  a  tha  so 
a'  ciallachadh  ?  Tha  nach  e  olcas  na  dbighe 
anns  a  bheil  eachdraidh  air  a  teagasg  anns  na 
sgoilean  cridhe  na  ciiise  idir,  ach  an  duine. 
Chan  'eil  ann  an  doigh  ach  doigh  fhein  ;  is 
mo  am  fear-teagaisg  na  'n  doigh.  Is  e  so,  ma 
ta,  a  tha  seanchas  H.  G.  Wells  a'  tighinn 
chuige,  gu'm  bu  mhaith  leis  a  bheachdan  fein 
air  eachdraidh  an  t-saoghail,  agus  cuisean  na 
rioghachd,  agus  beatha  dhaoine,  a  bhi  air  an 
cur  am  beul  mhaighstirean-sgoile  uile.  Rud 
ris  an  abradh  mu  sheana  charaid,  Euclid,  clach- 
mhullaich  na  mi-cheille.  Air  mo  shon  fein 
dheth  bhithinn  car  coma  co  dhiubh  a  ghabhadh 
maighstir-sgoil  taobh  nam  Boers  no  taobh  nam 
Breatunnach,  oir  tha  comas  aig  cloinn  nach  'eil 
eadhon  aig  na  tunnagan  air  teagasg  a  chrathadh 
bharr  an  droma. 

Teagasg  'a  Bhiobuill 

Cha  toigh  leis  an  doigh  anns  a'  bheil  am 
Biobull  air  a  theagasg  anns  na  sgoilean,  gu 
sonruichteanSeannTiomnadh,  is  thoirmisgeadh 
e  a'  chuid  mhor  dheth  a  bhi  air  a  theagasg 
idir,  na'm  faodadh  e.  Thubhairt  e  gu  bheil 
eachdraidh  nan  ludhach  air  a  h-innseadh  anns 
a'  Bhiobull  'n  a  leithid  de  dhoigh  's  gu'n 
saoileadh  tu  gu  robh  Palestin  'n  a  aite  mor 
agus  'n  a  aite  comharraichte  ann  am  beatha 
an  t-saoghail,  is  thubhairt  e  nach  bu  choir  sin 
a  bhi  air  a  chur  an  ceann  na  cloinne,  a  chionn 
nach  'eil  facal  firinn  ann.  Nach  'eil  ?  Tha 
barrachd  firinn  ann  na  tha  esan  an  diiil.  Tha 
e  ag  radh  nach  do  thoisich  dad  as  fhiach  a  bhi 
bruidhinn  air  ann  am  Palestin  riamh,  agus 
nach  mo  a  thug  na  h-Iudhaich  obair  mhor 
gu  ire  no  finid  riamh.  Agus  gus  an  tuilleadh 
tamailt  a  chur  orra,  agus  a  bhriathran  fein 
fhireanachadh,  tha  e  ag  radh  nach  bu  mhotha 
teampull  Sholaimh  na  iomadh'  sabhal  ! 

Ciod  a  theirear  ris  na  nithean  sin  ?  Their 
mise  CO  dhiu  nach  'eil  H.  G.  Wells  a'  tomhas 
dhiithchanna,  no  an  eachdraidh,  le  toimhsean 
ceart.  Ged  is  beag  Palestin,  agus  ged  is  mor 
Russia,  bha  agus  tha  buaidh  aig  Palestin  air 
beatha  agus  air  cursa  an  t-saoghail  nach  robh 
riamh  aig  Russia.  Ged  is  beag  a'  Ghreig, 
agus  ged  is  mor  China,  thug  a'  Ghreig  dileab 
dp'n  chinne-daonna  nach  d'  fhuaras  a  China. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Chan  ann  a  reir  am  meudachd,  no  neart  an 
armailtean,  no  lionmhoireachd  an  sluaigh,  a 
bu  choir  dhuinn  diithchanna  a  inheas,  ach  a 
reir  na  coinnle  a  tha  lasadh  annta,  agus  an 
fhirinn  agus  an  solus  a  tha  iad  a'  leigeil  a  mach. 
Agus  ciod  air  bith  a  their  H.  G.  Wells,  thainig 
solus  a  Palestin  a  shoillsich  an  saoghal  gu 
leir,  solus  agus  firinn  nach  muchar  gu  brath. 

Sgeulachdan  faoine 

Ach  cha  tainig  science,  no  economics,  no 
hiology,  a  teampull  Sholaimh,  na  tri  eolais 
anns  a  bheil  H.  G.  Wells  a'  creidsinn  gu  mor 
mar  chungaidhean-leighis  air  uile  thinneasan 
a'  chinne-daonna,  agus  a  chionn  nach  tainig, 
tha  e  an  diiil  nach  f hiach  lerusalem,  no  Bethle- 
hem, no  teampull  Sholaimh,  no  deoir  agus 
aislingean  Dhaibhidh,  a  bhi  air  an  cumail  air 
chuimhne.  Mar  is  luaithe  a  sguirear,  tha  e 
ag  radh,  de  na  faoin-sgeulachdan  a  gheibhear 
anns  a'  Bhiobull  a  theagasg  do'n  chloinn,  is 
ann  as  fhearr  ;  sgeulachdan  gun  bhun  gun 
bharr  mu  chi-uthachadh  an  t-saoghail,  mu'n 
tuil,  nau  thuiteam  mhic  an  duine,  mu  Mhaois, 
mu  Abraham,  mu  na  h-Iudhaich  mar  shluagh 
taghta.  Faoin-sgeulachdan  sheana  mhnathan  ! 
sin  a  their  H.  G.Wells  ri  eachdraidh  a'  Bhiobuill. 
Ach  ged  nach  'eil  esan  no  an  f  headhainn  eile  a 
labhair  aig  comhdhail  na  British  Association  'g 
a  shaoilsinn  tha  barrachd  de  'n  fhirinn  a  tha 
siorruidh  agus  de  'n  t-solus  anns  a  bheil  beatha 
ann  an  naidheachdan  a'  Bhiobuill  mu  na  h- 
ludhaich  na  tha  anns  na  h-6raidean  mora  fada 
a  tha  air  an  liubhairt  a  h-uile  bliadhna  air 
beulaibh  na  Biitisk  Association.  Dichuimh- 
nichear  oraid  H.  G.  Wells  fein  ann  an  seachduin 
no  dha,  ach  na  naidheachan  air  an  robh  e  a' 
magadh  mar  sgeulachdan  faoine,  mairidh  iad 
gu  brath,  is  bithidh  iomradh  air  teampull 
Sholaimh  anns  na  sgoilean  an  uair  nach  bi 
iomradh  air  Wembley  no  air  Seachd  longh- 
naidhean  an  t-saoghail. 

Eachdraidh  a'  chruthachaidh 

Bho  chionn  bhliadhnachan  sgriobh  H.  G. 
Wells  eachdraidh  a'  chruthachaidh  e  fein, 
obair  mhor  anns  a  bheil  uiread  eolais  's  nach  'eil 
f  hios  agam  ciamar  a  chaidh  aig  aon  duine  air  a 
chruinneachadh,  no  ciamar  a  chaidh  aig  aon 
cheann  air  a  ghiiilan,  ach  ged  tha  mile  facal 
anns  a'  chunntas  a  tha  an  leabhar  sin  a  toirt  air 
obair  a'  chruthachaidh  mu  choinneamh  gach 
aon  fhacal  a  tha  ann  an  cunntas  a'  Bhiobuill, 
tha  am  Biobull  cho  fada  air  thoiseach  air  obair 
H.  G.  Wells  's  a  tha  Shakespeare  air  thoiseach 
air  Mac  Gonigle.  Ciod  a  theireadh  tu  ri 
eachdraidh  a'  chruthachaidh  anns  nach  'eil 
Dia  uiread  agus  air  ainmeachadh  ach  gu'n 
d'  fhagadh  amach  aisde  an  aonrudas  cudthrom- 
aiche  uile  gu  leir,  cearcall-mais  na  h-eachdraidh 


uile.  Cha  do  dhichuimhnich  am  fear  a  sgriobh 
an  eachdraidh  a  tha  anns  a'  Bhiobull  gur  e  Dia 
a  rinn  an  saoghal,  tha  e  a'  toiseachadh  air  an 
naidheachd  mar  so,  "  An  toiseach  chruthaich 
Dia  na  neamhan  agus  an  talamh." 

Ciod  am  feum  a  tha  ann  do  chloinn  no  do 
dhaoine  mora  a  bhi  geurachadh  am  fiaclan  air 
na  facail  uamhasach  anns  a  bheil  e  ag  innseadh 
na  naidheachd,  archaeotoic,  pte?'odactyl  oligocene, 
titanothere,  neopipparion, pithecanthropus ,  mur  tog 
iad  bhuapa  gur  e  Dia  a  rinn  an  saoghal.  Is  e  an 
fhirinn  nach  'eil  H.  G.  Wells  a'  creidsinn  anns 
a'  Bhiobull,  no  a'  creidsinn  gur  e  facal  Dhe  a 
tha  ann.  Na  'm  faigheadh  e  a  dhoigh  fein  air 
a'  chloinn  a  theagasg  cha  bhiodh  taobh  aige 
ri  Criosd  na's  mo  na  ri  Mohammed,  no  ri 
Confucius,  no  ri  Plato  ;  dh'  innseadh  e  umpa 
air  fad  mar  bha  e  fein  'g  am  faicinn  agus  'g 
an  tuigsinn,  is  leigeadh  e  leis  a'  chloinn  an 
roghainn  fein  a  dheanamh  c6  an  duine  no  an 
creideamh  a  ghabhadh  iad  'g  an  treorachadh 
air  slighe  na  beatha.  Theagamh  gu'n  saoil 
cuid  de  dhaoine  gu  bheil  so  cothromach  gu 
leor,  ach  nuair  a  smuainicheas  tu  air  mionaid 
no  dha,  chi  thu  nach  'eil  ann  ach  tulla  na 
mi-cheille.  Co  an  Criosduidh  a  theagaisgeadh 
ar  Creideamh  air  an  doigh  sin,  no  c6  am  Mo- 
hammedanach  a  theagaisgeadh  a  Chreideamh 
fein  mar  so  ? 


Chan  'eil  cuspair  air  an  t-saoghal  a  tha  togail 
barrachd  seanchais  aig  comhdhailean  de  gach 
seorsa  an  diugh  na  oileanachadh  na  cloinne. 
Tha  a  dhoigh  fein  aig  gach  duine  a  labhras, 
is  tha  iad  uile  an  diiil  gu'm  biodh  saoghal  iir 
agus  saoghal  beannaichte  againn  na'n  robh 
an  doigh-san  air  a  gabhail.  Bu  mhaith  na'm 
b'  fhior,  ach  ciod  air  bith  a  their  thusa,  a  leugh- 
adair,  their  mise  gu  bheil  aon  rud  a  tha  iad  uile 
a'  dichuimhneachadh,  nach  ann  air  putty  a  tha 
maighstirean-sgoile  ag  oibreachadh  idir  ach 
air  rud  as  ruighne  agus  as  diomhaire  na  putty, 
spiorad  mhic  an  duine.  Tha  spiorad  mhic  an 
duine  coltach  ris  na  seilleanan,  a  thairngeas 
mil  a  fichead  fliir  nach  saoileadh  tu  gu  bheil 
mil  annta,  eadhon  as  a'  bhuaghlan-ruadh  fhein. 
Tairngidh  spiorad  mhic  an  duine  biadh,  is 
neart,  is  beatha,  a  aitean  neonach.  Bho 
thoiseach  an  t-saoghail  bha  na  h-inntinnean 
maithe  a'  fas  agus  a  neartachadh  agus  ag 
abachadh,  leo  fhein  agus  'n  an  doigh  fein,  a 
dh'  aindeoin  c6  a  bha  'g  an  teagasg  no  ciod  an 
doigh-teagaisg  a  bha  aca.  Agus  ni  na  h- 
inntinnean  maithe  sin  gu  brath  ;  bheir  iad  mil 
as  a'  bhuaghlan-ruadh.  Agus  air  an  laimh 
eile  cha  bhi  anns  na  seotachan  ach  seotachan 
gu  brath  ged  chuireadh  tu  H.  G.  Wells  'g  an 
teagasg.  Ciod  a  tha  so  a'  ciallachadh  ?  Tha 
ffur  treasa  diithchas  na  oilcan. 


DOTAIR  RATHUAIDHE 


Dotair  Rathuaidhe 


Le  a.  M.  E. 


"  Smebrach  cheolmhor  Chlornn  Laclilahin,  ' 

CHAN  aithne  dhomh  ainm  as  iomraitiche  am 
measg  nan  Garbh-Chrioch  agus  nan  Eilean- 
nan  is  faide  'stigh  na  ainm  Iain  Mhic  Lach- 
lainn,  a  bha  'na  bhard  agus  'na  lighiche. 
Bhuineadh  e  do  theaghlach  measail  Rathu- 
aidhe, an  ceann  shuas  na  Marairne.  Chaith 
e  a  laithean  uile  ann  a  bhi  frithealadh  air 
muinntir  na  diithcha  sin  agus  nan  diithchannan 
mu'n  cuairt  dhi  an  uaii*  a  bhiodh  iad  am  feum 
leighis.  Ged  a  b'  ard  a  chUu  mar  bhard  bha 
e  na  b'  airde  mar  fhear-sgil.  An  cuid  de 
thinneasan  air  am  bheil  hghichean  eolach, 
cha  rachadh  gin  'na  aghaidh,  agus  tha  e  air  a 
radh,  ged  a  chaidh  ceudan  dhiubh  troimh  a 
lamhan,  nach  do  chaill  e  aon  dhiubh  riamh. 
Bha  tighearna-fearainn  anns  an  Aird  an  lar, 
an  aon  de  na  h-Eileanan  Beaga,  agus  b'  e  a 
chleachdadh  fios   a   chur   air   an   Dotair  srach 

o 

uair  a  bhiodh  trioblaid  'na  theaghlach.  An 
uair  a  thigeadh  an  t-am,  do'n  "  aoigh  shona  "  a 
bhi  tilleadh  gu  tir-mor,  rachadh  fichead  punnd 
Sasunnach  a  chur  m'a  choinneamh  air  ceann 
biiird,  ach  tha  e  air  a  radh  nach  do  thog  esan 
riamh  ach  coig. 

Co  a  theireadh  nach  robh  ann  ach  piobaire 
an  aon  phuirt,  no  lighiche  nach  b'  urrainn 
cobhair  a  dheanamh  ach  a  thaobh  cuid  de 
ghalair  ?  Chan  'eil  sin  fior,  agus  cha  robh 
gne  eucail-d'a  bheil  muinntir  nan  diithchannan 
Gaidhealach  buailteach  air  nach  robh  e  air  a 
mheas  fad  air  thoiseach  air  lighiche  's  am  bith 
eile  air  an  robh  iad  eolach.  Cha  b'  urrainn  e 
a'  chaitheamh  a  leigheas  na'  s  mo  na  's  urrain- 
near  an  diugh  ;  ach  bha  a  leithid  de  chreideas 
aig  an  t-sluagh  chumanta  'na  chomasan  agus 
'na  eolas  agus  gu'm  biodh  ceal  agus  frionas 
orra  an  uair  a  shiubhladh  neach  leatha  an 
deidh  a  bhi  air  f haicinn  leis-san. 

Thubhairt  aon  bhoireannach  a  bha  fuireach 
aig  taobh  Loch  Suaineart  ris,  "  Chaochail  mo 
bhrathair-sa,  a  dhotair,  agus  cha  do  rinn  sibhse 
moran  feuma  dha  ;  co  sam  bith  c6  a  mholas 
sibh,  cha  mhol  mo  chuideachd-sa  sibh,  co 
dhiubh."  Cha  do  chord  a'  chainnt  so  gu  ro 
mhath  ris  an  Dotair.  Thionndaidh  e  agus 
fhreagair  e,  "  A  bhoireannaich,  am  b'  urrainn 
dhomhsa  sgamhan  ur  a  chur  ad  bhrathair  ?  " 

Aig  am  eile,  bha  e  a'  frithealadh  air  gille 
bg  air  an  rpbh  an  fliuthras,  no  mar  a  theirear  ris 
am  Beurla,  "  pleurisy."  Dh'  fhairtlich  air  am 
bas  a  chumail  air  falbh,  agus  an  uair  so  a 
rithisd,  bha  cairdean  is  daimhich  de'n  bharail 
nach  do  rinn  e  na  bha  'na  chomas.  B'  e  an 
fhreagairt  a  thug  e  dhaibh,  gu  ciuin,  foidhid- 


tric  cJmir  aighear  an  tighean  «'  hhroin.'''- — 

DONNCHADH    MaC    a'    PhEARSOIN. 

neach  :  "  Na'  n  do  chuir  sibhse  fios  ormsa 
da  latha  na  bu  traithe  tha  e  gle  choltach,  fo 
laimh  an  Uile-Chumhachdaich,  gu'm  biodh 
laithean  an  diulnaich  ghasda  air  an  sineadh. 
Ach  bha  an  t-eug  's  an  dorus  air  thoiseach 
ormsa." 

B'  ann  mar  sin  a  bha  a'  chuis  daonnan  aig 
na  h-amannan  agus  greis  'n  an  deidh  ;  cha 
rachadh  fios  air  dotair  gus  am  biodh  e  ach  beag 
eucomasach  dha  feum  a  dheanamh.  Bha  an 
sluagh  bochd,  an  lighiche  fad  air  falbh,  agus 
bu  duilich  iarraidh  air  tighinn  gus  am  b'  fhior 
fheudar. 

Uair  eile,  bha  an  Lighiche  Mac  Lachlainn 
a'  feitheamh  fad  seachduine  aig  taobh  leapa 
neach  araidh.  Chaidh  leis  gu  math  aig  a' 
cheann  mu  dheireadh  agus  rinn  daimhich 
fear  na  trioblaid  gairdeachas.  An  uair  a 
theann  iad  ri  phaigheadh  cha  ghabhadh  e 
peighinn  uatha,  oir,  mar  a  thuirt  e  fein,  bha  e 
a'  meas  gu'n  robh  gu  leoir  de  dhragh  aca 
annsan  fad  seachduine  gun  e  a  nis  a  bhi  cur  a 
laimhe  'n  am  poca  !  Is  i  an  fhirinn  ma  thim- 
cheall  ffur  crann  sru'n  ffabhadh  e  duais  de 
sheorsa  sam  bith  air  son  a  shaothair  agus  a 
sgil  o  dhream  nach  robh  Ian  mhurrach  air  a 
toirt  seachad,  oir  bha  e  uasal  'na  nadur  agus 
'na  chleachdaidhean  cho  math  agus  a  thaobh 
duthchais. 

Ach  an  uair  a  chuirte  dorran  air,  sheasadh 
e  a  choir  fein  gu  smachdail.  Foghnaidh  da 
sgeula  bheag  a  chur  soluis  air  an  aomadh  so, 
agus  tha  iad  le  cheile  a  Aird-nam-murchann. 
Bha  e  a'  freasdal  air  boirreannach  6g  an  Roinn 
na  diithcha  a  bha  a'  sioladh  as  le  caitheamh. 
Aig  iarrtus  a  muinntir,  dh'  fhan  e  leatha  ochd 
no  naoi  de  laithean  gus  an  d'  thainig  a'  chrioch 
oirre.  Bha  a  cuideachd  air  dheagh  dhoigh, 
CO  dhiubh  aon  d'a  braithrean  a  bha  gun  phos- 
adh  agus  aig  an  robh  tigh-osda  a  bha  a'  dean- 
amh  gu  math,  ged  nach  b'  ann  an  Roinn  Aird- 
nam-murchann.  Goirid  an  deidh  an  tiodh- 
lacaidh  thachair  an  gille  bg  so  air  an  Dotair 
an  tigh-na-postachd  an  Cille-chomhghain,  agus 
dh'  fharraid  e  dheth  gu  spraiceil  de  a  bha  aige 
ri  thoirt  dha  air  son  a  bhi  timcheall  air  a 
phiuthair.  Cha  do  chord  doigh  mhiomhail 
an  lascaire  ris  an  fhear  eile,  agus  a  bharrachd 
air  sin,  cha  robh  e  ro  bhuidheach  de'n  charamh 
a  fhuair  e  o'n  teaghlach  re  na  h-iiine  bha  e 
leo.  Chuir  e  cagar  an  cluais  fear-na-postachd, 
agus  sgriobh  an  duine  sin  cunntas  air  son 
sheachd  puinnd  Shasunnach.  Sheall  'an  t- 
osdair  og  air  a'  chrioman  paipeir,  agus  thubh- 


6 


DOTAIR  RATHUAIDHE— AN  TOR  CHEARD 


airt  e  :  "  Is  e  airgiod  a  nasgaidh  a  tha  sibh 
ag  iarraidh,  oii-  cha  do  rinn  sibh  fiach  tasdain  a 
dh'  fheuni  do  m'  phiuthair-sa."  Leum  an 
Dotair  air  a  bhonn.  "  Thoir  dhomh  an 
cunntas  sin  air  ais,".  ars'  esan,  "  agus  diib- 
laichidh  mi  e."  Chaidh  an  t-airgiod  a 
shineadh  thairis  agus  cha  robh  an  corr  ni'a 
dheidhinn. 

Bha  Iain  Cainibeul  'na  mharsa^nta  cothro- 
mach  air  taobh  tuath  Aird-nam-murchann, 
agus  bha  ainm  aige  a  bhi  gu  math  storasach. 
Cha  robh  e  posda,  ach  bha  piuthar  a'  gleidheadh 
tighe  leis.  Bha  e  fein  agus  Dotair  Rathuaidhe 
gle  eolach  air  a  cheile,  agus,  eada  feala-dha 
is  da-rireadh,  bhiodh  iad  gu  minig  a'  connsa- 
chadh  mu  na  h-Eaglaisean.  Bha  an  Dotair 
dileas  do'n  Eaglais  Steidhichte  agus  bha  am 
fear  eile  'na  phosta  laidir  's  an  Eaglais  Shaoir, 
a  bha  's  an  am  air  iir  thighinn  a  mach.  Ghabh 
Iain  Caimbeul  droch  fhuachd,  agus  chaidh 
dithis  de  dhaoine  oga  a  chur  air  falbh  a  dh' 
fheuchainn  am  faigheadh  iad  greim  air  an 
Dotair  Ruadh,  oir  bha  e  daonnan  cho  trang  is 
nach  biodh  e  furasda,  ach  ainneamh,  fhaighinn 
aig  an  tigh.  Fhuaireadh  e,  co  dhiubh,  agus 
bha  e  air  a  threorachadh  le  solus  lanntair  thar 
coig  mile  de  mhonadh  garbh  gun  rathad  oir 
bha  an  oidhche  air  tuiteam.  A  h-uile  uair  a 
dheanadh  an  Dotair  tuisleadh  theireadh  e  ri 
chuid  ghillean,  "  Sud  punnd  Sasunnach  eile 
air  fear  an  t-siucair  's  an  tombaca  !  "  Bha  e 
cho  math  ri  fhacal,  Thuislich  e  ochd  uairean, 
agus  b'  fheudar  do  Iain  Caimbeul  bochd 
paigheadh  'g  a  reir  !  Cha  robh  a  shuil  an 
deidh  an  airgid,  oir  rinn  an  Dotair  a  leigheas  gu 
grad. 

Cha  robh  uireasbhuidh  a  bhiodh  air  neach  a 
thaobh  slainte  nach  robh  esan  murrach  air  a 
leigheas,  nan  creidte  na  bha  air  a  radh  m'a 
thimchioll,  agus  chan  'eil  teagamh  nach  robh  e 
sonruichte  sgileil  an  cuid  de  dh'  eucailean. 
Bha  e  de  nadur  suairce,  ceanalta,  agus,  eadhon 
an  uair  a  ghabhadh  e  beagan  thar  na  corach 
de'n  deoch  bhuaireasaich,  cha  robh  e  crosda 
no  tuaireabach.  Shuidheadh  e  fad  feasgair  le 
seann  daoine  tlachdmhor  aig  am  biodh  rud- 
eiginn  tuigseach  ri  innseadh  ;  agus  bi  daonnan 
a  bheatha  am  measg  nam  maithean  agus  nam 
flaithean,  oir  bhuineadh  e  fein  do  na  h-uais- 
lean. 

Chuala   mi   iomadh    naidheachd    thaitneach 


uime  a  thaobh  nan  nithean  so,  agus  mu'n 
t-saothair  ,a  ghabhadh  e  gu  faireachduinn 
dhaoine  bochda  a  chumail  o  thaniailt.  Bha  e 
air  uairibh  am  feum  cuid-na-h-oidhche  a  shireadh 
far  am  biodh  e  a'  feitheamh  air  aon  a 
bhiodh  an  trioblaid.  An  aite  cuireadh  a 
ghabhail  o  n:ihuinntir  a  bha  an  deagh  inbhe  agus 
an  deagh  chothrom,  b'e  a  chleachdadh  fuire- 
ach  air  dhoigh  air  chor-eiginn  leis  an  duine 
thinn  ;  ach  an  uair  a  bhiodh  a  ghnothach  's  a' 
bhothan  bheag  seachad,  rachadh  e  an  sin  re 
oidhche  no  dha  do  aon  de  na  fardaichean 
maiseach  a  bha  daonnan  fosgailte  dha  araon 
air  sgath  a  dhreuchd  agus  air  sgath  a  chliii. 
An  uair  a  bhiodh  e  's  an  fhasdail  shuaraich 
chaidileadh  e  gu  suaineach  air  leaba-iirlair  no 
an  cuileig  sam  bith  a  bhiodh  freagarrach  ; 
ach  am  measg  a  leithidean  eile  fein,  bha  e  air 
a  mheas  airidh  air  na  seomraichean  bu  ghasda  a 
ghabhadh  cur  'na  thairgse. 

Ged  a  bha  e  gun  mhnaoi  no  dluth  bhana- 
charaid,  agus  ged  a  bha  e  cho  trie  air  falbh  o 
aon  dachaidh  a  bha  aige,  bha  e  anabarrach 
speisealta  'na  dhoighean  agus  bu  chaomh  leis 
an  comhnuidh  a  bhi  air  a  dheagh  sgeudachach. 
Bha  leintean  "  caola,  geala  "  ro  fhasanta  r'a 
linn-san,  agus  bha  e  air  a  radh  nach  facas  ach 
ainneamh  riamh  spot  no  smal  air  a  bhroilleach 
anairt  no  air  a  bhannan-duirn. 

Thubhairt  mi  an  uiread  so  mu'n  Dotair 
Ruadh  mar  lighiche,  agus  sheachainn  mi  cho 
fad  's  a  b'urrainn  dhomh  fiosrachadh  sam  bith 
a  chuireadh  cheana  an  clo.  Sgriobh  an  Dotair 
Eoghann  C.  Mac  Gill-Iosa  nach  maireann 
moran  m'a  thimchioll,  agus  cho  fad  's  is  aithne 
dhomh,  chan  'eil  dad  's  an  eachdraidh  a  thug 
e  seachad  ach  an  fhirinn.  Tha  na  thuirt  esan 
air  a  thoirt  mar  roimh-radh  do'n  dara  clo- 
bhualadh  a  rinneadh  air  bardachd  Mhic  Lach- 
lainn  o  chionn  dliith  air  tri-fichead  bUadhna.  Tha 
an  sgeul  aig  Mac  Gill-Iosa  snasail  ri  leughadh, 
agus  bu  cheutach  an  gnothach  na'n  robh  e  air 
a  thoirt  mach  as  iir  maille  ris  na  danaibh  miUs 
ris  a  bheil  e  cheana  ceangailte.  Rinneadh 
cumha  a  tha  grinn  an  cainnt,  agus  dealasach  am 
bardachd,  do  Dhotair  Rathuaidhe  leis  a'  Mhar- 
airneach  chomasach,  Mr.  Donnchadh  Mac  a' 
Phearsoin,  a  rinn  imrich  do  Australia  beagan 
iiine  an  deidh  dha  na  rannan  ud  a  chur  ri 
cheile.  Gheibhear  iad  an  ciil  an  leabhair  aig 
Mac  Gill-Iosa. 


\ 


An  t-6r-Cheard 


Le  Niall  Mac-an-Tuaihneir,  F.R.H.S.,  Loch  Portain,  an  Uidhist-a-Tuath 


MAR  dhearbhadh  soilleir  air  cumhachd  na 
cogais  bheir  mi  dhuibh  sgeul  beag  firinne- 
ach,  agus  ged  tha  aireamh  mhor  bhliadhnachan 
o  na  thachair  e,  gidheadh  tha  mi  an  dochas 


gu   'm  bi  e   chum  buannachd  do  ar  luchd — 
leughaidh. 

Bha  6r-cheard  ann  am  baile  araidh  ann  an 
Sasunn,  agus  chuir  e  suas  btith  anns  an  robh  e 


AN  T-OR-CHEARD 


a'  cumail  gach  obair-oir  a  bha  freagarrach 
air  son  gach  ard  agus  iosal,  agus  mar  an  ceudna 
clachan-luachmhor  agus  seudan  de  gach  gne. 
Eha  e  'n  a  dhuine  coir,  ionraic,  agus  measail 
am  beachd  gach  neach  a  chuir  eolas  air.  Air 
dha  a  bhi  ciiramach  agus  ghc,  dh'  fhas  e  'na 
dhuine  saibhir,  agus  bha  an  saoghal  a'  soir- 
bheachadh  gu  math  leis.  Cha  do  phos  e 
riaroh,  agus  air  dha  a  bhi  gun  teaghlach, 
agus  pailteas  aige,  maille  ri  cridhe  fialaidh, 
truacanta,  bha  e  ainmeil  air  son  a  mhaitheis  do 
na  bochdaibh,  agus  air  son  a  bhi  roinn  a  mhaoin 
a  ghiiilan  air  aghaidh  gach  gnioinh  seirceil. 
Mu  dheireadh  thainig  briseadh  air  a  shlainte, 
agus  riinaich  e  dol  a  dh'  ionnsuidh  tobar 
araidh'  a  bha  ainmeil  air  son  a  bhuadhan  gus 
a'  ghne  euslaint  a  bha  airsan  a  leigheas.  Bha 
an  tobar  astar  mor  o'n  bhaile  anns  an  robh 
an  duine  coir  so  a'  fuireach.  Rinn  e  deas  gu 
falbh  ;  dh'  fhag  e  a'  bhiith  air  ciiram  luchd- 
ceirde  dileas  a  bha  ag  obair  aige,  agus  dh' 
fhalbh  e  air  muin  eich.  Thug  e  leis  bocsa 
Ian  de  na  seudan  bu  luachmhoire  a  bha  'na 
bhuth,  a  b'  fhiach  na  miltean  punnd  airgid  ;. 
agus  thuarasdalaich  e  gille  tapaidh  a  thachair 
air,  chum  am  bocsa  a  ghiiilan.  A  thuilleadh 
air  na  seudan,  thug  e  leis  moran  airgid,  gun 
fhios  nach  cuireadh  e  feum  air  mu'm  pilleadh 
e  dhachaidh. 

An  deidh  a  bhi  laithean  air  falbh,  agus  a' 
dol  troimh  ioma  baile  agus  machair,  bha  iad 
a'  faotuinn  gu  gasda  air  an  aghaidh,  agus 
bha  'n  t-slighe  a  deagh-chordadh  ris  an  or- 
cheard.  Air  la  araidh,  bha  an  rathad  mor 
air  an  robh  iad  ag  imeachd  'g  an  treorachadh 
thairis  air  aitean  monadail,  aonaranach,  far 
an  robh  lochan,  agus  garbhlaichean  fiadhaich. 
Dh'  inndrinn  an  droch  spiorad  a:nn  an  cridhe 
a'  ghille  a  bha  giulan  a'  bhocsa,  agus  aig  ionad 
uaigneach  araidh,  ri  taobh  loch  dorcha,  thairis 
air  an  robh  beanntan  arda  mar  dhubh  neul  a' 
tilgeadh  am  faileis,  ghrad  riinaich  e  a  mhaigh- 
stir  a  mhortadh,  agus  e  fein  a  thoirt  as  le  a 
mhaoin.  Aig  a'  cheart  am  thainig  a  mhaigh- 
stir  as  an  diollaid,  a  bheachdachadh  air  gach 
sealladh  mu  'n  cuairt,  agus  a  thoirt  cothrom 
do'n  each  greim  itheadh  ri  taobh  an  rathaid. 

Ghabh  an  seirbhiseach  cruaidh-chridheaeh 
fath  air  a  mhaighstir,  agus  bhuail  e  sgian 
mhor  a  bha  'na  fhochar  troimh  chridhe  an 
duine  choir  !  Bha  e  marbh  ann  am  priobadh 
na  siila  ;  ghrad  thug  am  mortair  an  t-airgiod 
dheth ;  lion  e  pocaidean  a'  chota-mhoir  le 
clachan  ;  thilg  e  an  corp  's  an  loch  ;  rinn  e 
greim  air  a'  bhocsa  agus  air  an  each,  agus  ann 
an  tri  mionaidean  ghabh  e  an  t-shlighe. 

Chaidh  an  duine  truagh  so  dh'  ionnsuidh 
aite  iomallach  de'n  th',  far  an  do  thoisich  e  air 
malairt,  agus  far  nach  robh  fios  aig  neach 
sam  bith  mu  aon  ni  a  thachair.  An  toiseach 
bha    e    a'    reiceadh    obair -chruadhach,    agus 


nithean  air  bheag  luach,  chum  nach  gabhadh 
duine  amharus  mu  thimchioU.  Mar  so  bha  e 
dol  air  aghaidh  bliadhna  an  deidh  bliadhna, 
a  chuid  's  a  chuid,  gus  an  d'  eirich  e  gu  ard- 
inbhe  'na  cheird.  Cha  do  smaoinich  neach 
air  bith  nach  robh  a  shoirbheachadh  a'  sruth- 
adh  o'n  dichioll  a  bha  e  a'  gnathachadh  'na 
cheird  fein,  an  uair  a  bha  esan  le  mor  sheol- 
tachd  a  giiilan  air  aghaidh  le  bathar  luach- 
mhor.  an  duine  sin  a  mhort  e.  Bha  e  ciiram- 
ach, measail,  agus  creideasach.  Phos  e 
nighean  duin-uasail,  agus  roghnaicheadh  e 
an  toiseach  gu  bhi  'na  uachdaran,  agus  an  sin 
gu  bhi  'na  ard-uachdaran  's  a'  bhaile  's  an  robh 
e  a'  tamh.  Choimhlion  e  a  dhreuchd  air 
sheol  a  choisinn  mor  chliii  dha  o  gach  ard 
agus  iosal.  An  da  chuid,  mar  uachdaran 
agus  ra&r  bhreitheamh  bha  e  ro-mheasail  ann 
an  suilibh  nan  uile,  agus  bhuanaich  e  mar  so 
re  aireamh  bhliadhnachan. 

Air  la  araidh  bha  e  'na  aite  fein  's  a'  chiiirt 
maille  ri  breitheamhna  eile  a'  bhaile,  agus 
thugadh  a  lathair  duine  gu  bhi  air  fheuchainn 
air  son  a  mhaighstir  fein  a  mhortadh.  Chaidh 
na  fianuisean  a  tharruing  agus  a  cheasnach- 
adh.  Labhair  na  fir-lagha  gu  deas  -  bhriath- 
rach  air  gach  taobh.  Chaidh  an  luchd- 
deuchainn  air  leth  car  tamuill  bhig,  agus 
thug  iad  a  mach  am  binn,  gu'n  robh  am  priosan- 
ach  ciontach.  Dh'  fhan  na  h-uile  'n  an  tosd 
gus  an  cluinnteadh  binn  a  bhais  air  a  toirt 
a  mach  leis  an  ard  bhreitheamh.  Chaidh 
mionaid  an  deidh  mionaid  seachad  ;  ach  cha 
do  ghluais  am  breitheamh.  Bha  suilean  nan 
uile  a  bha  lathair  a  nis  suidhichte  air,  agus 
chunnaic  iad  mor  iomaguin  inntinn  air.  Bha 
e  'g  atharrachadh  dreach,  agus  a  reir  coslais, 
anabarrach  neo  -  shocrach  !  Mu  dheireadh 
dh'  fhag  e  aite-suidhe  fein  ;  chaidh  e  sios  o 
bheinc  nam  breitheamhna,  agus  a  chum  mor- 
ionghnadh  nan  uile,  sheas  e  ri  taobh  an  duine 
thruaigh  a  bha  gu  bhi  air  a  dhiteadh.  Labhair 
e  am  fianuis  na  cuirte,  agus  thubhairt  e  ann 
am  briathraibh  soilleir  agus  solaimte  :  "A 
bhreitheamhna,  agus  a  luchd-eisdeachd  gu 
leir,  tha  sibh  a'  faicinn  mu  choinneanah  'ur 
sill  duine  bochd,  truagh,  ciontach,  a  tha  'ga 
thoirt  fein  suas  mar  neach  a  tha  toillteanach 
air  peanas  a'  bhais  a  reir  lagh  Dhe  agus  dhaoine. 
Tha  sibh  a'  faicinn  creutair  na  's  truaighe  agus 
na  's  ciontaiche  gu  mor  na  'n  duine  so  a  fhuair- 
eadh  a  nis  toillteanach  air  bas  !  Is  mise  an 
duine  !  Is  mise  an  creutair  aingidh  a  mhort 
mo  dheagh  mhaighstir,  agus  a  cheil  an  gniomh 
eagallach  re  dheich  bliadhna  fichead  !  Chan 
'eil  innleachd  agam  fantuinn  na  's  faide  air 
mo  chlaoidh  le  agartas  cogais  agus  feumaidh 
ceartas  a  bhi  air  a  dheanamh  do  m'  thaobh 
anns  an  doigh  as  follaisiche,  a  reir  mo  thoilltean- 
ais.  Chan  'eil  sith  ann  domh  gus  an  deanar 
sin.     Is  e  m'  iarrtas-sa  ceartas  fhlaitheanais  a 


8 


AIG  AN  UINNEIG— LE  MAIllI  NIC  AN  T-SAOIR,  AN  LIOS-MOR 


bhi  deaiita,  agus  gu'n  robh  Dia  na  gloire  troc- 
aireach  ri  in'  anam." 

Chan  'eil  e  comasach  ionghnadh  a'  phobuill 
a  chur  an  ceill  an  uair  a  chual  iad  an  aidmheil 
a  rinn  esan  a  bha  'na  bhreitheanih  co  measail 
beagan  mhipnaidean  roimhe  sin.  Dh'  innis  e 
gach  ni  gu  mion  mar  a  mharbh  e  an  t-6r- 
cheard  ;     agus  air  aideachadh  agus  air  iarrtas 


fein  thug  na  breitheamhna  a  mach  binn  a 
chrochaidh  maille  ris  a'  chiontach  eile.  Chuir- 
eadh  gu  bas  iad  aig  an  aon  am,  agus  chaidh 
iad  le  cheile  stigh  do  shiorruidheachd  ag  aideach- 
adh toillteannas  am  binn  fein,  agus  a  reir 
coslais  a'  creidsinn  's  an  Ti  sin  aig  a  bheil 
slainte  eadhon  do  cheann-feadhna  nam  peac- 
ach  a  ni  aithreachas. 


Aig  an  Uinneig 


Manus  Mac  Gill-Eathain 

AIR  a'  mhios  a  chaidh  seachad  chaochail 
-Gaidheal  urramach  a  bhios  sinn  ag  ionn- 
drainn,  an  t  -  ard  -  sgoilear,  Manus  Mac  Gill- 
Eathain,  M.A.,  D.Sc.  LL.D.,  duine  fogh- 
luimte  amis  nach  robh  boilich  no  bostruinn. 

O'n  la  a  dh'  fhag  e  sgoil  bheag  anns  an  eilean 
Sgitheanach  'n  a  bhalach  og  dhirich  e  suas  air 
faradh  an  ionnsachaidh,  ceum  air  cheum.,  le 
a  thapachd  agus  a  dhichioll  fein,  gus  mu 
dheireadh  an  robh  e  'n  a  dhuine-mor  eadhon 
am  measg  shar-sgoilearan. 

Bha  e  anabarrach  maith  air  Mathematics,  is 
bha  e  coig  bliadhna  deug  'n  a  fhear-cuid- 
eachaidh  aig  a'  Mhorair  Kelvin.  Ged  bha 
Kelvin  'n  a  sgoilear  mor  cha  robh  e  'n  a  fhear- 
teagaisg  maith  ;  bha  e  duilich  do  mhoran  de 
na  h-oileanaich  a  thuigsinn,  is  bha  e  air  a 
radh  gur  e  na  gheibheadh  iad  o  Mhanus  Mac 
Gill  -  Eathain  a  bha  gu  feum  dhaibh  air  la 
ceasnachaidh. 

A  thuilleadh  air  a  bhi  'n  a  f  hear-cuideachaidh 
le  Kelvin  bha  e  'n  a  fhear-oibre  comhla  ris 
cuideachd  ;  le  cheile  bhiodh  iad  a'  rannsachadh 
gun  sgur  nan  diomhaireachdan  a  tha  an  solus, 
agus  an  teas,  agus  an  electricity,  cuspairean  air 
an  do  sgriobh  Manus  Mac  Gill  -  Eathain 
iomadh  leabhar  mor  tiugh,  leabhraichean  m' 
am  faodar  a  radh  mar  a  thubhairt  an  t-abstol 


Peadar  mu  litrichean  Phoil,  "  gu  bheil  cuid 
de  nithibh  annta  a  tha  do-thuigsinn."  Ach 
ma  bha  leabhraichean  Mhic  Gill  -  Eathain 
duilich  an  tuigsinn  cha  robh  annta  ach  a,  b,  c, 
laimh  ri  feadhainn  a'  Mhorair  Kelvin. 

Bha  e  dltith  air  coig  bliadhna  fichead  na 
fhear-teagaisg  air  Electrical  Engi?ieeri?ig  anns 
an  Royal  Technical  College,  an  Glaschu,  agus 
anns  an  iiine  sin  chan  e  mhain  gu'n  do  chraobh- 
sgaoil  e  eolas  air  feadh  na  diithcha  ach  mheud- 
aich  e  soirbheachadh  agus  beartas  na  diithcha 
mar  an  ceudna. 

An  uair  a  thoisicheadh  air  Gaidhlig  a  theag- 
asg  an  Oil  -  thigh  Ghlaschu  b'  e  Manus  Mac 
Gill-Eathain  a'  cheud  fhear-teagaisg  a  bha 
air  a  thaghadh,  oir  a  dh'  aindeoin  a  chleamh- 
nais  ris  an  teine-adhair  cha  do  rinn  e  riamh 
dearmad  air  a'  Ghaidhlig.  Chuir  e  a  mach 
da  leabhar  ghasda  mu  Litreachas  nan  Gaidheal, 
anns  an  do  chruinnich  e  nithean  nuadh  agus 
sean  mu  bhaird  agus  mu  sgriobhadairean  eile. 

An  uair  a  bha  e  air  chomas  bhitheadh  e 
daonnan  air  cheann  na  cuideachd  anns  na 
cruinneachaidhean  Gaidhealach  an  Glaschu, 
oir  bha  cur-a-mach  ann,  is  bha  e  baidheil  ri 
Gaidheil  eile  cho  mhaith  ris  na  Sgitheanaich. 
Ach  bha  aon  ni  nach  robh  ann  ,  cha  robh 
rabhart  no  bostruinn  ann,  an  fhailing  as  miosa 
anns  na  Gaidheil  o'n  tigh  agus  aig  an  dachaidh. 


Le  Mkiri  Nic  an  t-saoir,  an  Lios-mor 

Mahbhhann  aik  an  Urramach  Mgr.  Bell,  Ministear  Lios-mor 


THA  Lios-mor  an  diugh  fo  bhron 
Mu  'n  teachdair  aillidh  thugadh  bhuainn  ; 
'S  e  bhi  'g  ad  charadh  anns  an  uaigh 
Thug  sgeula  chruaidh  ri  aithris  dhomh. 

Car  son,  ma  ta,  bhios  sinn  ri  bron  t 

Bha  d'  fhuil  le  d'  athair  a  b'  fhearr  coir  ; 
'S  nuair  rainig  thu  an  abhainn  mhor 
'S  ann  thug  lehobhah  thairis  thu. 

Bha  thu  iriosal  a'd  dhoigh, 

Ceanalt,  coibhneil,  mar  bu  choir  ; 

'S  bho  'n  a  chaidh  thu  dhachaidh  suas 

Mo  thruaigh  !  cha  'n  f  haic  sinn  tuilleadh  thu. 


Ach  'n  uair  thig  am  buachaille  mu  'n  cuairt 
A  thrusadh  dhachaidh  a  chuid  uan, 
Bidh  sinn  ann  am  measg  an  trend 
'S  a  chaoidh  ri  re  cha  dealaich  sinn. 

Bidh  sinne  sin  am  measg  nan  uan 
Ag  ionaltradh  air  reidhlean  uain', 
Far  nach  cluinn  sinn  luaidh  air  bron 
'S  e  'n  t-Uan  is  grian  's  is  gealach  ann, 

'S  ann  an  sin  a  bhios  an  ceol 
'Seinn  air  clarsaichean  a  dh'  or. 
Far  nach  cluinn  sinn  luaidh  air  leon 
'S  an  t-uan  an  comhnuidh  taice  ruinn. 


Aireamh  ii 


937 


Am  Foghar 


"  Feill  an  flioijfharaidh,  agus  feill  a'  chrulnneachaldh  aig  deireadh  na  bliadhna." — Ecsodus  xxiii,  16. 


IS  maith  an  ni  buidheachas  a  thabhairt  do'n 
Tighearn,  agus  cliii  a  thabhairt  do  ainm  an 
Ti  as  ah'de,  a  tha  a'  criinadh  na  bliadhna  le 
mhaitheas  agus  a'  toirt  pailteas  bidh  do'n  t- 
saoghal.  Tha  e  ceart  gu'm  moladh  daoine  Dia 
ah"  son  cmneas  na  talmhainn  mar  a  mholas  iad 
e  air  son  thiodhlacan  spioradail.  Tha  Dia  a' 
riaghladh  anns  an  t-saoghal  nadurra  cho  cinn- 
teach  's  a  tha  e  ag  oibreachadh  anns  an  t- 
saoghal  spioradail,  is  chithear  a  chumhachd 
agus  a  mhaitheas  air  an  achadh-bhuana  cho 
maith  's  a  chithear  iad  'n  a  theampull  naomh. 
An  uair  a  bha  an  Salmadair  a'  coiseachd  air  na 
h-achaidhean-arbhair  anns  an  Fhoghar,  o  chionn 
da  mhile  bUadhna,  chunnaic  e  cumhachd  agus 
maitheas  Dhe  annta,  is  sheinn  e  an  laoidh- 
mholaidh  so, 

An  talanih  tha  thu  fiosrachadh, 

'S  'ga  uisgeachadh  gu  reidh  ; 

Le  abhainn  Dhe  tha  Ian  de  'n  uisg' 

Trom  beartach  ni  thu  e. 

Dhaibh  arbhar  tha  thu  deasachadh, 

Le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 

'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 

Nan  iomairean  gu  min. 

Mu'n  bhliadhna  coron  tha  thu  cur 

Le  d'  mhaitheas  fein  a  Dhe, 

Tha  saill  a'  sileadh  anns  gach  ait', 

O  d'  cheumannaibh  gu  reidh. 

A  h-uile  la,  o  cheann  gu  ceann  de'n  bhliadhna, 
tha  an  iirnuigh  so  air  a  cur  suas  le  miltean 
dhaoine  air  thalamh,  "  Thoir  dhuinn  ar  n-aran 
laitheil,"  agus  is  e  am  fogharadh  bliadhnail 
freagradh  Dhe  do'n  iirnuigh  sin.  A  dh'  ain- 
deoin  innleachd  mhic  an  duine,  agus  an  t- 
adhartas  a  thainig  air  an  acfhuinn  leis  a  bheil 
e  a'  treabhadh  agus  a'  buain,  tha  sinn  an  diugh 
fhathast  an  urra  ri  Dia  air  son  ar  loin  a  cheart 
cho  mor  's  a  bha  Abraham  no  lacob.  Na'm 
failnicheadh  grian,  no  gaoth,  no  uisge,  cha 
tigeadh  barr  as  an  talamh.  Air  cho  innleachd- 
ach  's  'ga  bheil  mac  an  duine,  an  uair  a  chuireas 
e  an  siol  anns  an  talamh,  chan  urrainn  e  an  corr 
a  dheanamh  ;  feumaidh  e  feitheamh  le  foidliid- 
inn  ri  Dia.  Is  e  cumhachd  Dhe  a  mhain  a 
bheir  fas  agus  toradh. 

Tha  maitheas  Dhe  mar  gu'm  biodh  abhainn 
mhor  a'  ruith  troimh  'n  t-saoghal,  ach  tha  an 
abhainn  a'  gluasad  cho  seimh  's  nach  'eil  sinn 
mothachail  oirre,  no  a'  toirt  aire.  Tha  earrach 
agus  foghar,  samhradh  agus  geamhradh,  a' 
tighinn  cho  cinnteach  'n  an  am  fein,  ag  oib- 
reachadh toil  an  Uile-chumhachdaich  cho  reidh, 


ordail,  's  nach  'eil  iad  a'  cur  ionghnaidh  air  bith 
oirnn.  Tha  sinn  a'  tuiteam  'n  ar  cadal  air  chor 
agus  nach  'eil  sinn  a'  faicinn  no  a'  cluinntinn 
bearta  iongantach  Dhe.  Ach  tha  Dia  dliith 
dhuinn  an  comhnuidh,  a  cheart  cho  dliith  's  a 
bha  e  do  Mhaois  an  uair  a  chunnaic  e  am  prea.s 
a'  lasadh  le  teine.  Bho  gach  achadh-buana  an 
am  an  Fhoghair  tha  an  guth  so  a'  tighinn  g'  ar 
n-ionnsuidh,  "  Feuch  tha  mise  maille  ribh." 

Tha  gach  dias  a  chromas  a  ceann  le  cudthrom 
a  toraidh  ag  innseadh  dhuinn  nach  do  dhich- 
uimhnich  ar  n-Athair  air  neamh  a  chlann  air  an 
talamh. 

Tha  am  Foghar  a'  teagasg  iomadh  leasan 
dhuinn,  ach  tha  e  gu  sonruichte  a'  gairm  oirnn 
an  Tighearn  a  mholadh.  Tha  sinn  uile  deas  gu 
bhi  a'  gearan,  agus  ma's  fior  na  thatar  ag  radh, 
chan  'eil  daoine  air  thalamh  as  gearanaiche  na 
tuathanaich.  Theagamh  gur  e  an  t-aobhar,  gu 
bheil  iad  cho  buileach  an  eisiomail  na  side,  agus 
gu  bheil  sid  na  dixthcha  so  neo-chinnteach  agus 
neo-sheasmhach.  Ach  thig  an  la  maith  ma  dh' 
fhanas  an  droch  dhuine  ris.  Ciod  is  fhiach  ar 
n-earbsa  ami  an  Dia  ma  bheir  seachduin  f  hliuch 
anns  an  Fhoghar  bhuainn  i  ?  Cha  do  chuir  an 
gearan  cruach  a  bharrachd  riamh  's  an  iodh- 
lainn,  agus  cha  mho  a  chunnaic  mi  riamh  gu 
robh  na  tuathanaich  a  chaill  am  faidhidinn  agus 
a  thoisich  air  cur  a  stigh  air  an  t-Sabaid  air 
thoiseach  air  a  cheann  mu  dheireadh.  Is  toigh 
le  Dia  daoine  nach  gearain  air  an  t-sid,  no  air  a 
fhreasdal  fein  ;  daoine  creidmheach  a  tha 
coltach  ris  an  t-seann  f  haidh  a  labhair  na  briath- 
ran  air  a  bheil  an  laoidh  so  air  a  steidheachadh  : 

Chaoidh  ged  nach  toir  crann  fige  blath 

'S  nach  fas  air  fion-chrann  meas, 

Saothair  a'  chroinn-olaidh  ged  a  threig, 

'S  fas  deis  gun  bhi  air  slios  ; 

Gach  treud  o'n  mhainnir  ged  a  bhuail 

Grad  fhuathas  'nuair  nach  saoil, 

Greigh  ged  nach  d'  fhag  an  t-Earrach  cruaidh 

No  bo  air  uachdar  raoin  ; 

Gidheadh  's  an  Triath  bidh  mise  ait. 

Is  ni  mi  uaill  'n  a  ghradh, 

Mor  aoibhneas  ni  mi  ann  am  Dhia 

'S  e  Dia  mo  shlaint'  gu  brath. 

Sin  agad,  a  leughadair,  creideamh  as  fhiach 
creideamh  a  radh  ris,  agus  a  dh'  aindeoin  ciod  a 
theirear  'na  aghaidh,  is  e  an  inntinn  agus  an 
creideamh  so  a  bheir  buaidh  air  an  t-saoghal. 

An  uair  a  bhios  sinn  a'  toirt  buidheachais  do 
Dhia  air  son  an  fhoghair  bu  choir  dhuinn  na 


a 


AM  FOGHAR— AN  LIGHICHE  MAC  LACHLAINN 


bochdan  a  chuimhneachadh.  Chan  'eil  doigh 
eile  anns  an  fhearr  dhuinn  ar  taingealachd  a 
nochdadh,  agus  is  toigh  le  Dia  a  shluagh  a  bhi 
cuimhneach  air  na  bochdan.  Na'n  stadadh  an 
eaglais  de  bhi  frithealadh  do  bhochdan  agus  do 
bhantraichean  chailleadh  an  diadhaidheachd  a 
maise.     Is  moid  rud  a  roinn. 

An  uair  a  ruigear  November  tha  am  Foghar 
thairis  is  tha  a'  bhliadhna  a'  tarruing  gu  crich  ; 
a'  cur  'n  ar  cuimhne  gu  bheil  bliadhnachan  ar 
beatha  a'  dol  seachad  gu  kiath.  "  Ged  is  fhada 
an  latha  gu  h-oidhche,"  theid  an  la  as  fhaide 
seachad,  agus  thig  an  oidhche  is  criochnaichear 


ar  n-obair.  A  bheil  sinn  'ga  chuimhneachadh 
sin  ?  Thugamaid  an  aire  gu'n  dean  sinn  feum 
maith  de'n  am  a  tha  lathair  oir  tha  an  t-am  ri 
teachd  neo-chinnteach.  "  Feuch,  a  nis  an  t-am 
taitneach  ;  feuch,  a  nis,  la  na  slainte." 

"  An  uair  a  bhitheas  iiine  agam — " 

Tha  e  a'  suidheachadh  la  araidh,  ag  radh,  an 
diugh — " 
"  Am  feadh  a  hha  iad  a  dol  a  cheannach,  thainig 
am  fear  nuadh-pbsda  " 
Chaidh   iadsan   a   bha   ullamh   a   steach,    agus 
dhruideadh  an  dorus." 


An  Lighiche  Mac  Lachlainn 


Le  a.  M.  E. 


BHA  an  Ligliiche  Iain  Mac  Lachlainn  'na 
bhard  barraichte,  agus  chuir  e  ri  cheile  na 
h-uiread  de  luinneagan  agus  de  dhain  a  tha  ann 
am  meas  na's  airde  an  diugh  na  bha  iad  eadhon 
aig  an  am  's  an  do  rinneadh  iad.  Tha  iad  tait- 
neach thar  a'  chumantais,  ach  chan  abair  sinn 
gu'n  gluais  iad  inntinnean  dhaoine  cho  mor  's 
a  ni  an  obair  aig  cuid  de  na  bardaibh  eile  a 
choisinn  ainm  air  feadh  na  Gaidhealtachd. 

Co  ann  a  tha  na  h-6rain  aig  Iain  Mac 
Lachlainn  a'  tighinn  gearr  ?  Chan  ann  an 
rogha  cainnte  no  an  deas-bhriathrachd  de 
sheorsa  'sam  bith  ;  chan  ann  an  geiread  smaoin- 
tean  .no  am  feallsanachd  a  thaobh  nithean 
coitcheann  na  beatha,  agus  idir  chan  ann  an 
sealladh  soilleir  air  a'  mhath  agus  air  an  olc  am 
beatha  mhic  an  duine.  Tha  iad  a'  tuiteam 
goirid  air  an  staidealachd  sin  air  an  do  rainig 
"  Cead  Deireannach  nam  Beann,"  aig  Donnch- 
adh  Ban,  agus  "  Moladh  Moraige,"  aig  Alasdair 
Mac  Mhaighstir  Alasdair,  chan  ann  a  chionn 
nach  'eil  an  cainnt  a  cheart  cho  ceilearach,  an 
Gaidhlig  a  cheart  cho  cothromach,  agus  an 
gleusan  a  cheart  cho  diongmhalta,  ach  do  bhrigh 
gu'm  bheil  am  breithneachadh  a  tha  iad  a' 
nochdadh  na's  dliiithe  air  comasan  dheagh 
sgeulaiche  na  air  euchdan  foghainteach  nan 
diulnach  a  dh'  ainmich  mi.  Chan  eagal  nach 
robh  an  dotair  talantach  an  taghadh  f  hacal  agus 
anabarrach  ceirdeil  ann  a  bhi  'gan  cur  an 
eagaibh  a  cheile,  ach  bha  aignidhean  air  uairibh 
mall  ann  a  bhi  cur  airde  air  maise  naduir.  Anns 
na  duanagan  gaoil  a  dheilbh  e,  bha  e  ceirdeil, 
cuimir,  ach  eadhon  annta  so  bha  e  na  bu  chol- 
taiche  ri  smeorach  na  ri  lon-dubh  ;  na  bu 
choltaiche  ri  piano  na  ri  organ. 

Ar  leam  gur  i  a'  ghne  bhardachd  anns  an  do 
chliuithich  e  na  bu  mho  na  an  gin  eile,  na  h- 
orain  mhuladach,  thiirsach  ris  an  abair  sinn 
cumhachan  no  marbhroinn.  Thoisich  e  orra 
so  an  uair  a  bha  e  gle  6g,  agus  b'  ann  do  Shine 


Nic  Neachdain  's  an  t-Sailean  Shuaineartach  a 
rinn  e,  theagamh,  an  t-aon  bu  shnasala  a  rinn  e 
riamh.  Tha  e  a'  toiseachadh  leis  na  facail,  "  Is 
uaine  'm  foid  o'n  d'  adhlaic  iad  ;  "  agus  tha  e 
air  a  radh  o'n  uair  's  an  do  chaochail  an  ainnir 
so  nach  robh  e  cho  ciiramach  uime  fein  riamh 
tuillidh.  Bhuineadh  i  do  Dhonnchadh  Mac 
Neachdain  a  bha,  re  aireamh  bhliadhnachan  'na 
mhinistear  measail  an  sgireachd  Ath-tharcaill  ; 
bi  piuthar-athar  dha  a  bha  innte. 

Faodar  aithris  's  an  dol  seachad  gu'n  deach- 
aidh  orain  an  dotair  a  sgriobhadh  agus  f  haicinn 
troimh  'n  chlo  le  Mghr  Rob  Domhnullach  a  bha 
'na  mhaighstir-sgoile  an  Cille-mhoire  an  Aird- 
nam-murchann.  Bha  an  duine  so  sonruichte 
air  son  boidhchead  a  laimh-sgriobhaidh,  agus 
cha  b'  arm  air  a'  pheann  a  b'fhearr  an  dotair 
oir  bha  beagan  de  chrith  air  tighinn  'na 
mheuran.  Ged  a  bha  an  Domhnullach  math 
air  sgriobhadh  agus  'na  dheagh  sgoilear  a  reir 
nos  an  ama  's  an  robh  e  beo,  is  coltach  nach  robh 
moran  de  leabhraichean  aige.  B'e  m'  athair-sa 
a  thug  dha  fein  agus  do'n  dotair  iasad  de'n 
fhaclair  aig  Mac  Leoid  agus  an  Deorach  cho 
fad  's  a  bha  chleirsneachd  a'  dol  air  a  h-aghaidh. 
Bu  bheag  a  b'  fheairrd  an  leabhar  an  t-iasad  ud, 
oir  bha  teaghlach  mor  aig  a'  mhaighstir-sgoile, 
agus  mu'n  do  thilleadh  am  faclair  dhachaidh  bha 
e  air  a  bheubanachadh  gu  dona.  Tha  e  agam- 
sa  gus  an  latha  diugh  agus,  ged  a  tha  e  as  an 
druim  an  cuid  de  aiteachan,  chan  'eil  duilleag 
'ga  dhith. 

Chan  'eil  reusan  an  corr  a  radh  mu  thimcheall 
nan  oran  aig  an  dotair  a  tha  cheana  an  clo,  ach, 
mar  a  dh'fhaodar  a  thuigsinn,  rinn  e  na  h-uiread 
nach  do  chuir  e  riamh  air  paipear.  Chan  'eil 
sinn  ri  thuigsinn  gu'n  robh  gin  dhiubh  amsgaidh 
no  droch-mheinneach,  ach  a  mhain  gu'n  robh 
iad  a'  buntainn  ri  ciiisean  a  bha  iomraiteach 
anns  na  diithchannan  mu'n  cuairt,  agus  air  an 
aobhar  sin,  gu'm  faodadh  beachdan  a  bhi  air  an 


AN  LIGHTCHE  MAC  LACHLAINN 


3 


toirt  seachad  annta  a  chuireadh  campar  air  cuid- 
eigin.  Cha  toir  mi  tarruing  ach  air  a  dha  no  tri. 
O  chionn  cheud  bliadhna,  no  mar  sin,  bha  a 
chomhnuidh  an  Aird-nam-murchann  duin-uasal 
gasda  a  bha  'na  thuathanach  toirteil  agus  do  'm 
b'  ainm  Iain  Mac  ChoUa.  B'e  Miongairidh  a 
bha  aige  mar  ghabhail.  Ged  a  bha  an  t-aite 
mor,  eireachdail,  agus  anabarrach  torach  chan 
f  hoghnadh  sin  le  Mac  Cholla  ach  gu'm  feum- 
adh  e  tairgse  a  chur  air  na  ceithir  bailtean 
tuatha  a  bha  criochnachadh  ri  Miongairidh  air 
an  taobh  an  ear.  B'  iad  so  Sginid,  Coire- 
mhuillinn,  Buarblaig,  agus  Tor-na-mona.  Bha 
iad  a'  roinn  Beinn  Shianta  eatorra,  maille  ri 
cuid  mhath  de  thalamh  iosal  a  bha  freagarrach 
air  son  aiteachaidh.  Chaidh  tairgse  an  duine 
shanntaich  a  ghabhail.  Air  an  ath  Bhealltuinn 
chaidh  na  bailtean  a  chur  mu  sgaoil,  agus  an 
seann  luchd-muinntir  a  chur  air  allaban,  deas  is 
tuath  air  feadh  an  t-saoghail.  Bha  gniomharan 
de'n  t-seorsa  cumanta  anns  an  linn  ud  ;  ach  b'e 
a  rinn  am  fear  so  diibailte  dona  gu'm  buineadh 
Mac  Cholla  e  fein  do  Aird-nam-murchann,  gu'n 
do  theabadh  dall  a  losgadh  an  uair  a  chuireadh 
na  tighean  ri  theine,  agus  gu'n  robh  oinid  agus 
a  h-athair  a  dhiult  tighinn  am  mach  air  an 
clachaireachd  a  stigh  's  a  bhothan  's  an  robh 
iad  a'  fuireach  gus  am  b'  eiginn  dhaibh  gealladh 
a  thoirt  nachrachadh  iad  na  b'  f  haide  an  aghaidh 
an  luchd-millidh. 

Chuir  na  cuisean  so  corruich  air  an  Dotair 
Ruadh,  agus  chuir  e  a  bheachdan  mu'n  deidhinn 
an  ceill  gu  h-amasach  anns  an  luinneig  aigean- 
taich  ud,  "  A'  direadh  a  mach  ri  Beinn  Shi- 
anta," a  chithear  'na  h-aite  dligheach  anns 
na  leabhraichean  aige.  Rinn  e  aoir,  mar  an 
ceudna,  do  Mhac  Cholla  air  son  a'  cheart  aobhair, 
ach  cha  do  chuir  e  ise  an  clo,  agus  chan  'eil  i  an 
leabhar  'sam  bith  fhathasd.  Chan  'eil  i  mi- 
cheutach  dana  am  briathran,  agus  chan  'eil  lide 
innte  nach  faodadh  neach  a  leughadh  'ga 
theaghlach  ;  gidheadh,  is  i  aoir  is  cuimsiche  am 
breith  agus  is  leadarra  facail  air  am  bheil  aithne 
agam  an  canain  'sam  bith.  Tha  i  a'  guidhe 
saoghal  fada  do'n  fhear-brathaidh,  ach,  an  uair 
a  thigeadh  am  bas  air,  gu'n  rachadh  a  charadh 
an  uaigh  air  nach  cinneadh  dad  gu  brath  lach 
aon  no  dha  de  fhonntain  agus  de  dheanntagan. 
Bu  mhor  mi-ghean  an  dotair  an  uair  a  thainig 
an  fhaistneachd  so  air  a  cois  gus  an  dearbh  litir. 
Am  fear  a  thainig  an  aite  Mhic  Cholla  am 
Miongairidh,  bhuineadh  e  do'n  diithaich  cuid- 
eachd,  agus  bha  corr  is  cinneadas  's  a  chairdeas 
a  bha  eadar  e  agus  an  Dotair  Ruadh.  B'e 
Seumas  Mac  Lachlainn  a  b'  ainm  dha  ;  duine 
spraiceil,  gasda,  nach  do  rinn  coire  do  neach 
riamh  agus  a  bu  toigh  leis  na  h-uile  a  bha 
eolach  air.  Bhiodh  iomadh  rabhart  is  feala- 
dha  eadar  an  dithis  an  uair  a  thigeadh  an  dotair 
rathad  Mhiongairidh  agus,  feasgar  a  bha  an 
sud,  thachair  iad  air  a  cheile  dliith  do  thiarh  an 


tuathanaich.  Chaidh  cuireadh  a  thoirt  seachad 
's  a  ghabhail ;  ach  an  toiseach  thuirt  an  Dotair  : 

"  Tha  Bodach  na  Beinne 

'Na  dhuine  cho  coir  ; 
'S  e  bheireadh  dhomh  cuireadh 

Le  furan  gun  gho  ; 
Bidh  pailteas  gun  airceas 

'Ga  sgapadh  m'a  bhord, 
'S  bu  toigh  learn  a  chuideachd 

Na'n  sguireadh  e  'n  bhosd  !  " 

Bhiodh  aicheamhail  ri  thoirt  a  mach  leis  a' 
bhata  bhuidhe  a  bha  an  laimh  Sheumais  air  son 
a  bhi  cur  bosd  as  a  leth  ;  ach  b'  ann  aca  fein  a 
bhiodh  an  oidhche  abhachdach,  gheanail,  an 
deidh  sin,  a'  manran  agus  ag  innseadh  naidh- 
eachdan. 

Uair  eile  bha  am  bard  air  a  sharuchadh  le 
seann  duine  a  bha  de  'n  bharail  gu'n  robh  e  fein 
air  thoiseach  air  Mac  Lachlainn  araon  mar 
fhear-dheanamh  rann,  agus  mar  fhear-comh- 
raidh.  Thachair  iad  air  oidhche  shonruichte  an 
tigh  caraid  anns  an  t-Sailein,  agus  mu'n  deach- 
aidh  moran  iiine  seachad  bha  iad  an  caramh  a 
cheile  le  geireineachd  agus  bardachd.  Cha 
robh  am  fear  miigach  fada  a'  faicinn  nach  robh 
ann  dha  ach  streip  a'  mheasain  ris  a'  mhiol-chix 
a  bhi  feuchainn  ri  tighinn  idir  mar  astar  do'n 
dotair  ann  an  cainnt  shnasmhoir  a  ghearradh 
mar  shiosar.  Chan  'eil  gin  de  na  rannan  agam 
a  rinneadh  air  an  fheasgar  ud. 

Bha  an  dotair  daonnan  mothachail  gu'n  robh 
iomadh  faillinn  fuaighte  ris  a  b'fhearr  dha 
uaithe,  ach  chan  'eil  sin  a'  ciallachadh  gu'n  robh 
e  air  chor  'sam  bith  fuasgailte  'na  abhuistean. 
Mar  a  dh'aidicheadh  e  fein  gu  minig  eadhon  'na 
chuid  oran,  bha  e  air  uairibh  buailteach  air 
tuilleadh  'sa  choir  a  ghabhail  de  'n  deoch- 
laidir.  Cha  do  rinn  sin  coire  riamh  do  neach 
eile,  agus  cha  deachaidh  e  riamh  timcheall  air 
duine  tinn  gun  a  bhi  murrach  air  a  ghnothach 
a  dheanamh  gu  sgoinneil.  Anns  a  h-uile  rathad 
eile  bha  e  ciiramach,  faicilleach  'na  ghiulan  agus 
'na  chaithe-beatha,  agus,  a  reir  gach  fiosrachadh 
a  tha  againn,  bha  eagal  an  Tighearna  daonnan 
fa  chomhair  a  shul.  Cha  robh  iiidh  aig  am 
briathran  crabhach  gun  ghniomharan  araidh 
a  bhi  'n  an  cois.  B'  ainneamh  a  rachadh  e  fein 
timcheall  air  neach  a  bhiodh  an  trom  thrioblaid 
gun  dol  air  a  ghliiinean  dluth  do'n  leabaidh 
chum  comhnadh  aslachadh  o'n  Uile-chumach- 
dach  anns  an  obair  a  bha  fa  chomhair.  Dhean- 
adh  e  so  gu  diiiid,  sgathach,  mar  gu'm  biodh 
naire  air  daoine  bhi  'ga  f  haicinn. 

Cha  b'  fear  e  's  an  robh  uaill  spioradail,  ach 
b'  fhear  e  a  bha  gu  minig  a'  toirt  fainear  gu'm 
bheil  Dia  a'  riaghladh  an  ciiisean  timeil  cho 
math  is  anns  an  f  headhainn  sin  a  bhuineas  do'n 
bhith-bhuantachd.  Am  measg  a  chuid  oran 
gheibhear  iomradh  an  drasd  'sa  rithisd  air  a' 
mhuinighinn  iriosal  a  bha  aige  an  am  gabhaidh 
's  an  Ti  ghrasmhor  so,  agus  chan  aithne  dhomh 


AN  LIGHICHE  MAC  LACHLAINN— AIG  AN  UINNEIG 


bard  'sam  bith  de'n  f  headhainn  is  airde  cliii,  ach 
a  mhain  luchd-deanamh  dhanaibh  spioradail  a 
tha  toirt  luaidh  na's  trice  na  Dotair  Rathuaidhe 
air  a'  chliii  agus  a'  chumachd  a  bhuineas  do 
Chruithear  an  domhain. 


"  lochd,  truas,  is  scire  do'n  t-sluagh,"— b'  lad 
so  na  faireachdainnean  a  bha  daonnan  'na 
chridhe.  Bha  e  'g  an  nochdadh  gach  latha  o'n 
thkinig  e  gu  aois  dnine  ann  a  bhi  freasdal  air  na 
feumaich  a  bha  de  chloinn  na  h-easlainte. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  A.  C.  Mac  Gill-Eathain 

BHA  sinn  duilich  a  chluinntinn  gu'n  do 
chaochail  ministear  Chunndainn  bho  chionn 
ghoirid.  Cha  robh  a  shlainte  ro  mhaith  bho 
chionn  bhliadhnachan,  is  dh'  fheumadh  e  obair 
a  ghabhail  gu  reidh,  air  neo  a  leigeil  dheth  gu 
buileach  an  drasd  agus  a  ris,  ach  bha  e  cho 
maith  am  bhadhna  's  a  bha  e  bho  chionn  iiine 
fhada. 

Rugadh  e  an  Ceann  Loch,  Cille-Chiarain,  an 
1873  ;  bha  e  air  oileanachadh  an  Oil-thigh 
Ghlaschu,  agus  air  a  shuidheachadh  an  Loch 
Raonasa  an  Arain  an  1898,  far  an  do  shaothraich 
e  suas  ri  ochd  bliadhna.  Dh'  fhag  e  Loch 
Raonasa  an  1 906,  is  chaidh  e  do  Chunndainn  far 
an  do  chuir  e  seachad  an  corr  de  laithean  a 
mhinistrealachd.  Dh'  fhag  e  bantrach  'n  a 
dheidh,  is  dithis  mhac  agus  dithis  nighean. 

Bha  e  gaolach  air  a  bhi  sgriobhadh,  an 
Gaidhlig  agus  am  Beurla,  ach  cha  do  sgriobh  e 
dad  a  bhios  air  a  chumail  air  chuimhne  ;  cha 
bhiodh  e  a'  sgriobhadh  ach  rudan  beaga  ann  am 
paipearan  an  taobh  Tuath  agus  air  uairean 
anns  a'  Mhiosachan  so.  Ach  bha  e  'n  a  ihior 
Ghaidheal  ;  gaolach  air  cainnt  a  dhiithcha,  agus 
baidheil  ri  dhaoine  f  hein. 

Cathair  Ghaidhlig  an  Glaschu 

Ged  tha  Gaidhlig  air  a  teagasg  an  Oil-thigh 
Ghlaschu  bho  chionn  iomadh  bliadhna  chan  'eil 
an  tuarasdal  no  an  inbhe  aig  an  f  hear  a  tha  'g  a 
teagasg  a  tha  aig  an  f  headhainn  a  tha  a'  teagasg 
chanainean  eile.  Mar  sin  thatar  a'  deanamh 
oidhirp  an  drasd  air  an  rud  so  a  tha  cearr  a  chur 
ceai't,  agus  "  cathair  "  Ghaidhlig  a  chur  air  chois 
a  bhitheas  air  an  aon  steidh  ri  "  caithrichean  " 
eile  anns  an  Oil-thigh.  Tha  Comunn  Oiseanach 
Oil-thig  Ghlaschu  air  dol  air  cheann  a'  ghnoth- 
uich  so,  is  tha  iad  air  htrichean  a  chur  a  mach 
air  feadh  na  diithcha,  ag  iarraidh  coig  mile 
fichead  punnd  Sasunnach  air  a  shon.  Is  e 
cleireach  a'  Chomuinn,  Iain  Camshron,  LL.B., 
Ph.D.,  55,  Sraid  West  Regent,  C.2,  an  Glaschu, 
is  bithidh  e  anabarrach  toilichte  ma  chuireas 
neach  air  bith  suim  bheag  no  mhor  chuige  a 
chuideachadh  an  aobhair  so.  Na'n  robh  am 
fear  nach  maireann  beo,  I.  S.  Blackie,  agus 
cothrum  aige  dol  a  dh'  ionnsuidh  a'  Mhoid  far 
am  bi  Gaidheil  agus  leth-Ghaidheil,  Sasunnaich 
agus  Russianaich,  a'  seinn  fad  cheithir  laithean, 
"  Togaibh  i,  togaibh  i,   canain   ar  diithcha," 


naraicheadh  e  iad  le  theangaidh  mur  toireadh 
iad  dha  roinn  mhaith  de  'n  airgiod  so  air  a' 
cheud  iarraidh. 

Tha  barrachd  de  sgoilearan  oga  Gaidhealach 
an  Glaschu  na  tha  ann  an  Oil-thigh  eile  an 
Albainn,  is  tha  e  iomchuidh  gu'm  bitheadh 
teagasg  na  Gaidhlig  ann  an  Oil-thigh  Ghlaschu 
air  a  chur  air  bhonn  ceart. 

Tiodhlacadh  nam  marbh 

Ann  am  Miosachan  na  h-Eaglais  Shaoir 
Chleireachail  air  a'  mhios  a  chaidh  seachad 
leugh  mi  beachdan  agus  earailean  mu  thiodh- 
lacadh  nam  marbh  a  chuir  goirisinn  'n  am  f  heoil. 
Cha  robh  fhios  agam  gu  robh  an  seorsa  dhaoine 
ud  anns  a'  Ghaidhealtachd  idir,  daoine  a  tha  an 
aghaidh  gairm  air  ainm  an  Tighearna  anns  a' 
chladh.  Bha  mi  aig  tiodhlacadh  an  iomadh  aite 
ach  cha  robh  mi  riamh  aig  tiodhlacadh  nach 
robh  tirnuigh  air  a  deanamh  anns  a'  chladh, 
Tha  am  fear  a  tha  a'  cur  sios  air  a'  chleachdadh 
dhiadhaidh  so  mar  Phapanachd  neo-sgriobturail 
a'  labhairt  mar  gu'm  bu  chleachdadh  iir  e,  ach 
anns  a'  chuid  sin  de  'n  Ghaidhealtachd  is  fhearr 
as  aithne  dhomhsa  bha  an  cleachdadh  so  ann 
bho  'n  is  cuimhne  leam,  agus  bho  'n  is  cuimhne 
le  daoine  as  sine  na  mi  ;  bhitheadh  ministearan 
daonnan  a'  deanamh  tirnuigh  anns  a'  chladh  aig 
tiodhlacadh,  co  dhiu  a  b'  ann  do  'n  eaglais 
Steidhichte,  no  do  'n  Eaglais  Shaoir,  no  do  na 
Baistich,  no  do  na  h-Independents,  a  bhuineadh 
iad.  Agus  cha  tainig  e  riamh  'n  ar  n-inntinn  gu 
robh  doigh  eile  air  tiodhlacadh  a  chriochnachadh 
a  bu  fhreagarraiche,  agus  a  bu  nadurra,  agus  a 
bu  sholuimte,  agus  a  bu  chaomhaile,  na  gu'm 
biodh  tirnuigh  air  a  deanamh  aig  bruach  na 
h-uaighe.  Ach  tha  an  t-Urramach  Seumas 
Mac  Leoid,  ministear  na  h-Eaglais  Shaoir 
Chleireachail  an  Grianaig,  ag  radh  nach  'eil  anns 
a'  chleachdadh  ach  Papanachd  sgi'iosail,  agus 
nach  cual  e  riamh  duine  diadhaidh  ag  urnuigh 
ann  an  cladh.  Och,  Och,  mo  thruaighe  an 
saoghal  mur  bheil  de  dhaoine  diadhaidh  ann  ach 
am  beagan  nach  dean  urnuigh  ann  an  cladh  ! 

Tigh  na  dunach 

C  aite  a  bheil  tigh  na  dunach  ?  Chan  'eil 
fhios  agam,  ach  sin  an  t-aite  d'a  bheil  an 
saoghal  a'  dol  o  chionn  iomadh  bliadhna.  Ann 
an  seanchas  ri  daoine  chan  'eil  rud  eile  as  trice  a 
chluinneas  tu  na  gu  bheil  an  saoghal  a'  dol  do 


AIG  AN  UINNEIG— MU  THEAGASG  CHRIOSD 


thigh  na  dunach.  A  bheil  sin  fior  ?  Chan 
'eil  ;  tha  adhartas  a'  tighinn  air  an  t-saoghal 
a  h-uile  gineal,  a  dh'  aindeoin  gu  bheil  a 
h-uile  gineal  an  duil  gu  bheil  an  te  a  tha  ag 
eirigh  suas  'n  a  deidh  fhein  a'  dol  air  ais. 

Cha  bu  mhaith  gu'n  tigeadh  na  seann  laith- 
ean  air  ais,  na  laithean  anns  an  robh  daoine 
air  an  crochadh  air  son  caora  a  ghoid,  anns  an 
robh  seana  bhoirionnaich  neo-chiontach  air  an 
losgadh  no  air  am  bathadh  a  chionn  gu  robh 
amharus  buidseachd  orra,  anns  an  robh  paisdean 
naoi  bliadhna  a  dh'  aois  air  an  cur  sios  do  thoill- 
ghuail  a  dh'  oibreaehadh  deich  uairean  a 
h-uile  la,  anns  an  robh  na  miltean  a'  basachadh 
a  h-uile  bliadhna  le  acras  is  cion,  cha  bu  mhaith 
gu'n  tigeadh  na  laithean  sin  air  an  ais.  Tha 
daoine  a  cheart  cho  coibhneil  ri  cheile  an  diugh 
's  a  bha  iad  riamh,  affus  na   's  deidheile  air 


ceartas  a  thoirt  do'n  duine  iosal  agus  bhochd. 
Theagamh  nach  'eil  iad  cho  crabhach  o'n 
taobh-a-muigh  's  a  bha  iad  tri  fichead  bliadhna 
air  ais,  ach  cha  robh  ann  an  cuid  de  'n  chrabh- 
adh  sin  ach  fasan,  is  tha  coguisean  dhaoine 
na's  geire  an  diugh  na  bha  iad  anns  na  seann 
laithean.  Ciod  is  ciall  do  na  laghannan  lira 
a  thatar  a'  deanamh,  a'  toirt  cothroim  do 
luchd-oibre  agus  do  'n  duine  bhochd,  ach  gu 
bheil  coguis  na  rioghachd  a'  fas  na  's  geire, 
cho  geur  's  nach  fulling  i  ana-cothrom  a  bhi 
aig  aon  duine  agus  pailteas  aig  a  chomhears- 
naich.  Tha  adhartas  a'  tighinn  air  t-saoghal 
gun  teagarah,  agus  air  an  diadhaidheachd 
cuideachd  ;  an  aite  a  bhi  dol  do  thigh  na 
dunach  tha  an  saoghal  an  diugh  'n  a  aite- 
comhnuidh  na's  fhearr  do  dhaoine  reusonta 
agus  caomhail  na  bha  e  riamh  fhathast. 


Mu  theagasg  Chriosd 


ANNS  an  eaglais  Phapanaich  tha  e  mar 
^f  hiachaibh  air  daoine  am  faosaid  a  dheanamh 
do'n  t-sagart  ;  am  peacaidhean  uile  aideachadh 
dha  gu  h-uaigneach  los  maitheanas  fhaotainn. 
Tha  an  cleachdadh  so  a'  fas  anns  an  eaglais 
Shasunnaich  cuideachd ;  tha  aireamh  nan 
daoine  a  bhios  a'  deanamh  am  faosaid  do'n 
t-sagart  a'  dol  am  meud  gach  bliadhna.  Is  iad 
so  na  rannan  anns  a'  Bhiobull  air  a  bheil  iad  a' 
steidheachadh  am  beachd  : 

Thi  mi  mar  an  ceudna  ag  radh  riut  gur  tnsa 
Peadar,  agus  air  a'  charraig  so  togaidh  mise  m 
eaglais  ;  agus  cha  toir  geatachan  ifrinn  buaidh 
oirre.  Bheir  mi  dhuit  iuchraichean  rioghachd 
neimh ;  agus  ciod  air  hith  a  cheanglas  tu  air 
thalamh  hithidh  e  ceangailte  air  neamh  ; '  agus  ciod 
air  hith  a  dh'  fhuasglas  tu  air  thalamh  ;  hithidh 
e  fuasgailte  air  neamh.''     (Mata  xvi.  18-19-)' 

Ciod  air  hith  a  cheanglas  sihhse  air  thalamh 
hithidh  e  ceangailte  air  neamh  ;  agus  ciod  air  hith 
a  dh'  fhuasglas  sihhse  air  thalamh  hithidh  e 
fuasgailte  air  neamh."     {Mata  xviii.  18.) 

"  Agus  thuhhairt  e  riu,  Gahhaihh-se  an  Spiorad 
Naomh.  Co  air  hith  iad  d'  am  maith  sihh  am 
peacaidhean  tha  iad  air  am  maitheadh  dhaihh  ;  co 
air  hith  iad  d'an  cum  sihh  am  peacaidhean  gun  am 
maitheadh  tha  iad  air  an  cumail." 

{Eoin  XX.  22-23.) 

Bu  mhaith  leam,  ma  ta,  na  rannan  so  a  mhin- 
eachadh.  Ciod  a  thuigeadh  na  daoine  ris  an 
robh  Criosd  a'  labhairt  leis  na  briathran  so  ? 
Tha  an  rud  uile  gu  leir  an  crochadh  ris  an  da 
fhacal,  ceangal  is  fuasgladh,  ciod  air  hith  a 
cheanglas  sihh  air  thalamh,  hithidh  e  ceangailte  air 
neamh.  .  .  .  Bha  an  da  fhacal  so  air  an  cleach- 
dadh ann  an  seagh  sonruichte  le  seanairean  is 
luchd-lagha  nan  ludhach  ;    ann  an  cainnt  an 


lagha  bha  na  facail  ceangailte  agus  fuasgailte  co- 
ionnan  ri  ceart  agus  cearr  ;  a'  ciallachadh  nithean 
ceadaichte  agus  nithean  toirmisgte.  Ma  thug 
Rabbi  a  mach  breith  gu  robh  an  ni  ud  no  an  ni 
ud  eile  ceart,  no  fior,  bha  e  air  a  radh  gu'n  d' 
fhuasgail  e  e  ;  ma  thug  e  breith  gu  robh  e 
cearr,  no  olc,  bha  e  air  a  radh  gu'n  co  cheangail 
e  e.  Bhuineadh  an  da  fhacal  do  chainnt  an 
lagha,  agus  is  ann  anns  an  doigh  anns  an  robh 
iad  air  an  uisneachadh  am  measg  nan  ludhach 
a  dh'  fheumar  an  gabhail,  ma  thatar  air  son  losa 
a  thuigsinn.  Bu  mhaith  leam  an  rud  a  tha  mi 
ag  radh  a  shoilleireachadh  o  litreachas  nan 
ludhach  agus  o  bheul  nan  Rabbaidhean  fein. 

(1)  Am  faod  duine  dol  air  thurus-mara  an 
uair  a  tha  an  t-Sabaid  dliith  ?  Bha  sgoil  Sham- 
mai    a'  ceangal  so,  ach  bha  sgoil   Hillel    'g   a 

fhuasgladh  ;  is  e  sin  r'a  radh,  thoirmisg  Shannnai 
an  rud  is  cheadaich  Hillel  e.     {An  Talmud.) 

(2)  Am  faodar  biorain  a  thruiseadh  air  la- 
feille  ?  Bha  sgoil  Shammai  a'  ceangal  so,  agus 
sgoil  Hillel  'g  a  fhuasgladh  ;  thoirniisg  Shammai 
e,  is  cheadaich  Hillel  e.     {An  Talmud.) 

(3)  Dh'  fhuasgail  Rabbi  Meir  f ion  is  oladh  a 
bhi  air  am  measgadh  air  son  dhaoine  tinne  air 
an  t-Sabaid,  is  e  sin  r'a  radh,  cheadaich  e  e. 

(4)  Ann  an  laghannan  ludhach,  ann  an 
riaghailtean  nan  Rabbaidhean,  agus  ann  an 
cainnt  an  t-sluaigh  (foghluimte  agus  gun  f hogh- 
lum)  tha  na  facail  so  a'  tachairt  ort  gun  sgur 
anns  an  t-seagh  a  dh'  ainmich  mi,  mar  so, — 

"  Dh'  fheoraich  e  de  aon  duine  glic  is  cheang- 
ail e  e  :  na  feoraich  de  dhuine  glic  eile  air 
eagal  gum fuasgail  e  e." 

"  Cha  d'  fhuasgail  iad  dhuinn  feannag,  agus 
cha  do  cheangail  iad  dhuinn  caluman.  Tha  na 
daoine  glice  a.'  fuasgladh  gach  ni  reamhar." 


6 


MU  THEAGASG  CHRIOSD 


Mar  so  tha  e  soilleir  gur  e  bha  Criosd  a' 
ciallachadh  leis  na  briathran  a  labhair  e  ri  Peadar 
agus  ris  na  deisciobuil  eile,^ — ciod  air  bith  a 
cheanglas  no  dh'  fhuasglas  sihh,  gu'm  biodh  iad 
air  an  soillseachadh  le  gliocas  o'n  airde  air  chor 
agus  gu'm  biodh  ana  breith  air  cliis  sam  bith 
co-ionnan  ri  breith  Dhe  ;  no,  gus  an  rud  a  chur 
ann  an  cainnt  eile,  gu'm  faodteadh  beachd  na 
h-eaglais  air  thalamh  (a  thaobh  moraltachd  is 
diadhaidheachd)  a  ghabhail  mar  ghuth  Dhe  air 
neamh.  Is  mor  an  rud  sin  r'a  radh  ;  bu  dana  do 
neach  air  bith,  eadhon  ged  bhiodh  e  'n  a  abstol, 
a  ghabhail  air  fein  a  radh  gu'n  aontaich  Dia  air 
neamh  ris  gach  breith  no  binn  a  bheir  an  eaglais 
a  mach  air  thalamh  'n  a  'ainm.  Rud  dana  gun 
teagamh,  ach  cuimhnich  gu  bheil  geallaidhean 
mora  agus  iongantach  anns  a'  Bhiobull  a  tha  dol 
leis. 

(a)  An  Spiorad  Naomh,  a  chuireas  an  t-Athair 
ann  am  ainm-sa,  teagaisgidh  e  na  h-uile  nitkean 
duibh  agus  trebraichidh  e  sibh  a  chum  na  firinn 
uile.     (Eoin,  xiv.,  26.) 

(b)  Cha  sibhse  a  labhras  ach  Spiorad  'ur  n-Athar 
a  labhras  annaibh.     {Mata,  x.,  20.) 

(c)  Tha  agaibhse  ungadh  o'n  Ti  Naomh  agus  is 
aithne  dhuibh  na  h-uile  nithean.     I.  {Eoiii,  ii.,  20.) 

(d)  Tha  esan  a  tha  spioradail  a'  toirt  breith 
air  na  h-uile  nithean.  .  .  .  Tha  inntirin  Chriosd 
againne.     (/.  Corint.  ii.,  15-16.) 

Tha  eachdraidh  na  h-eaglais  a'  deanamh 
fianuis  gu  robh  na  geallaidhean  sin  air  an 
coimhlionadh  dhith,  agus  ann  am  beatha  nan 
abstol.  Fo  sheoladh  an  Spioraid  Naoimh 
ghabh  an  eaglais  Chriosduidh  oirre  fein  ann  an 
tiis  a  toiseachaidh  nithean  a  cheangal  a  bha  an 
saoghal  (is  ciiirtean  eile  cuideachd)  a'  fuasgladh, 
nithean  a  thoirmeasg  a  bha  air  an  ceadachadh, 
agus  a  cheadachadh  a  bha  air  an  toirmeasg, 
agus  tha  na  linntean  a'  toirt  fianuis  gu  robh  an 
eaglais,  mar  bu  trice,  ceart.  Cheadaich  i 
iomadh  cleachdadh  neo-chiontach  a  thoirmisg 
Maois  ;  air  an  laimh  eile  thoirmisg  i  iomadh 
peacadh  is  droch  ehleachdadh  nach  robh  na 
h-Iudhaich  no  na  Cinnich  a'  saoilsinn  olc. 
Thoirmisg  i  sannt,  is  uabhar,  is  mi-run,  is  neo- 
mheasarrachd,  ge  b'e  c6  anns  am  bitheadh  iad  ; 
dh'  ardaich  i  gradh,  is  fireantachd,  is  braith- 
reachas,  mar  na  subhailcean  as  maisiche  anns 
an  diadhaidheachd.  Ann  an  so  uile,  bha  inntinn 
Chriosd  aig  an  eaglais.  Is  e  an  eaglais  a  sgriobh 
an  Tiomnadh  Nuadh,  agus  tha  coguis  an 
t-saoghail  a'  gabhail  ris  an  leabhar  sin  mar 
ghuth  agus  mar  Fhacal  Dhe,  rud  a  tha  dearbh- 
adh  gu  bheil  inntinn  Dhe  air  a  foillseachadh 
le  deanadas  is  guth  na  h-eaglais  choitchinn  ; 
air  chor  agus  gu'm  faodar  a  radh  gu  bheil  esan 
a'  seulachadh  air  neamh  am  facal  a  labhras  ise 
air  thalamh. 


Is  e  an  cumhnanta  air  an  tachair  so,  gu  bheil 
an  eaglais  a'  fantuinn  ann  an  co-chomunn 
Spiorad  Dhe.  Cho  fad  agus  a  dh'  fhanas  i 
mar  sin,  agus  a  bheir  i  urram  is  aoigheachd  do'n 
Spiorad  Naomh,  treoraichidh  e  i  a  chum  na 
firinn  ;  fior  agus  ceart  bithidh  a  breitheanais. 
Ach  mur  bheil  i  a'  fantuinn  ann  an  co-chomunn 
agus  fo  theagasg  an  Spioraid  Naoimh  cha  ruig  i 
leas  a  bhi  an  duil  nach  tuit  i  ann  am  mearachd, 
no  nach  toir  i  a  mach  breith  eucorach.  Air 
uairean  tha  an  eaglais  air  thalamh  a'  ceangal 
nithean  nach  'eil  Dia  idir  a'  ceangal ;  is  e  an 
t-aobhar  gu  bheil  i  fo  riaghladh  spiorad  an 
t-saoghail  an  aite  a  bhi  fo  riaghladh  an  Spioraid 
Naoimh. 

Co  dhiu  a  tha  e  cearr  no  ceart  do  dhuine 
fhaosaid  a  dheanamh  ri  sagart  no  ministear,  no 
CO  dhiu  a  tha  coir  aig  pearsachan  eaglais  iad 
fein  a  chur  ann  an  aite  Dhe  agus  maitheanas 
peacaidh  a  thairgsinn, — ^chan  'eil  sinn  a' 
gabhail  gnothuich  ris  na  ceistean  sin  aig  an  am 
so.  Ach  aon  ni  tha  cinnteach,  nach  gabh  na 
beachdan  sin  a  bhi  air  an  steidheachadh  air  na 
h-earrannan  so  de'n  Fhirinn.  Ciod  air  bith  a 
tha  na  briathran  a'  ciallachadh,  chan  'eil  iad  a' 
teagasg  faosaid  uaigneach  a  dheanamh  do 
shagart,  no  a'  toirt  do  shagartan  no  do  mhinis- 
tearan  ughdarras  sam  bith  a  thaobh  maitheanas 
peacaidh  nach  'eil  aig  a'  chorr  de  bhuill  na 
h-eaglais. 

Ann  an  doigh  f harsuing  is  e  an  fhirinn  a  tha " 
air  a  teagasg  anns  an  rannan  so,  gur  e  an 
Spiorad  a  tha  a'  comhnuidh  innte  fear-teagaisg 
is  fear-riaghlaidh  na  h-eaglais  ;  agus  gu  bheil 
soillseachadh  inntinn  is  coguis  air  a  bhuileach- 
adh,  chan  ann  air  luchd-dreuchd  is  oifigich  na 
h-eaglais  a  mhain,  ach  air  na  creidmhich  uile 
gu  leir,  a  reir  am  maitheis  agus  anns  an  tomhas 
anns  a  bheil  cridheachan  glan  aca,  cridheachan 
anns  am  faod  an  Spiorad  fantuinn.  Air  uairean 
tha  sluagh  na  h-eaglais  air  thoiseach  air  luchd- 
dreuchd  na  h-eaglais  ;  an  uair  a  dh'  fhuasglas 
an  sluagh  an  rud  a  tha  an  sagart  no  am  ministear 
a'  ceangal,  faodaidh  e  bhith  gur  e  guth  an 
t-sluaigh  guth  Dhe.  Ma  thoisicheas  tu  air 
cunntas  co  na  daoine  a  bha  'nam  meadhon  air 
saobh-chreideamh  is  saobh  -  chrabhadh,  air 
beachdan  feall  mu  Dhia  agus  mu  dhiadhaidh- 
eachd  fhogradh  air  falbh,  agus  beachdan  reus- 
onta  a  chur  'n  an  aite,  chi  thu  gu  robh  so  air  a 
dheanamh  leis  na  baird  cho  trie  's  a  bha  e  air  a 
dheanamh  leis  na  sagartan,  le  saighdearan  is 
feallsanaich  cho  maith  ri  ministearan  is  diadh- 
airean.  An  uair  a  tha  Dia  air  son  adhartas  a 
thoirt  air  an  t-saoghal,  cuiridh  e  smuain  ann  an 
cridhe  duine  air  choreigin  ;  fuasglaidh  an  duine 
sin  an  rud  a  bha  an  saoghal  uile  a'  ceangal,  air 
neo  ceanglaidh  e  an  rud  a  bha  an  saoghal  a' 
fuasgladh  ;  uidh  ar  n-uidh  fasaidh  an  solus  iir 
sin,  agus  lion  beag  is  beag,  gabhar  ris,  gus  mu 
dheireadh  am  bi  oiffhreachd  eolais  aig  a'  chloinn 


MARBHRANN— MAIRI 


nach  robh  aig  an  aithrichean.  Is  e  na  daoine 
as  urramaiche  agus  as  feumaile  anns  an  t- 
saoghal,  iadsan  aig  a  bheil  buadhan  a  tha  air  an 
cleachdadh  a  chum  eadar-dhealachadh  a  chur 
eadar  maith  agus  olc  ;  iadsan  a  tha  a'  gluasad 
iad  fein  ann  an  saorsa  cloinne  Dhe  agus  d'  an 
aithne  an  co-chreutairean  a  threorachadh  a 
steach  do'n  t-saorsa  cheudna. 

Chan  ann  air  bhonn  faosaid  a  dheanamh  do 
shagart  no  do  phearsa  eaglais  a  tha  maitheanas 
r'a  fhaotainn,  ach  air  bhonn  aithreachais  an 
lathair  Dhe.  Chan  'eil  teagamh  nach  faod  e 
air  uairean  faochadli  a  thoirt  do  choguis  chion- 


taich  aidmheil  a  dheanamh  do  cho-chreutair  (gu 
sonruichte  do  dhuine  air  an  do  rinn  e  cron)  ach 
mur  bheil  aithreachas  fior  anns  a'  chridhe  an 
lathair  Dhe  chan  'eil  feum  air  bith  ann  am 
faosaid.  Do  bhrigh  nach  aithne  do  aon  duine 
ciod  a  tha  ann  an  cridhe  duine  eile,  bhiodh  e 
dana  dha  a  radh  ris,  eadhon  ged  a  dh'  aidicheadh 
e  a  pheacaidhean  le  deoir,  "  Ann  an  ainm  an 
Tighearna  losa  tha  mi  'g  ad  fhuasgladh  o  do 
chionta."  Is  e  na's  urrainn  dha  a  dheanamh  air 
a  shon,  a  threorachadh  gu  losa,  oir  is  ann  aige- 
san  a  mhain  a  tha  iighdarras  peacaidhean  a 
mhaitheadh  air  thalamh. 


Marbhrann 


Do  Iain  D6mhnullach,  a  bua  'n  a  eildeiu  ann  an  Solas,  an  Uidiiist-a-Tuatii,  le 
D.  I.  Mac  Dhuth-Sith,  am  Mala  Cleit 


I 


S  iomadh  neach  tha  'n  diugh  fo  ghruaim 
Ri  caoidh  a  chaomhain  thugadh  uainn, 


Bu  tearc  a  chite  measg  an  t-sluaigh 
Neach  bha  cho  coir  's  cho  ionadail. 

Thainig  ciiram  ann  'n  a  oig' 
'S  gach  latha  soillseachadh  le  choir 
De  thoradh  trom  a'  chreidimh  bheo 
Bha  tigh'nn  fo  bhlath  's  ag  abuchadh. 

Bha  bheatha  chiuin  o  oige  nuas 
Na  h-eisimpleir  am  measg  an  t-sluaigh, 
'S  co-dhiu  bhiodh  saors'  a  stigh  no  cruas 
Cha  chluinneadh  each  a'  gearan  e. 

Bha  irioslachd  seimheachd  agus  stuaim 
Is  fialaidheachd  naduir  's  moran  truais 
Ri  bochdan  's  feumaich  iomadh  uair 
Gu  teo-chridheach  'n  ar  caraide. 

Bu  trie  e  fein  aig  meadhoin-grais 
Gu  fritheilteach  a  reir  na  h-aithn', 
'S  an  tiffh-leuffhaidh  bhitheadh  blaths 
Nuair  bhiodh  e  fein  na  h-suidheachan. 

An  uair  a  dh'  eireadh  e  a  sheinn 
'S  math  a  chluicheadh  e  na  fuinn, 
Bhiodh  a  cheol  cho  miUs  binn 
A'  seinn  le  g-uth  an  t-subhachais. 


An  ceann  na  h-tirnuigh  bha  e  treun 
A'  tagradh  dluth  's  gu  dian  is  reidh 
Peacaich  thoirt  fo  bhuaidh  na  reit' 
A  choisinn  Criosd  's  a  cheannaich  E. 

Air  Long  an  t-Soisgeil  bhiodh  e  ghnath 
A'  seoladh  air  na  tonnan  ard, 
'S  ged  thigeadh  stoirm  chuir  geilt  air  each 
Bha  dhochas  anns  a'  Mhaighistir. 

'S  iad  na  h-acraichean  a  b'  fhearr 
A  fhuair  e  fein  o  'n  Ti  a  b'  aird'  ; 
Creideamh,  dochas,  agus  gradh, 
'S  ri  'n  aireamh  sud,  bha  foidhidinn.   . 

Bu  ghleusda  a  lamh-san  air  an  stiiiir 
'S  math  a  ruitheadh  e  a  chiirs', 
A'  leughadh  Combaist  is  cairt-iiiil 
A  fhuair  e  bho  na  Cheannard  aig'. 

Fhuair  e  nis  a'  ghairm  bho  shuas 
Cuireadh  chum  na  dachaidh  bhuan 
Gu  seilbh  an  t-s61ais  tha  bith-bhuan 
'S  gu  seinn  air  gloir  nam  flaitheanas. 

Tha  e  nis  gu  samhach  beo 
'S  a'  chala  mhiannaich  e  gach  16 
Leis  a'  mhuinntir  shaoirt'  an  Gloir 
Ri  moladh  buan  's  an  ionad  ud. 


Mairi 


["  Blia  an  seanchas  so  air  a  chur  chugam  air  son  nan  duilleagan  so  leis  an  fhear  nach  maireann,  an 
t-Urramach  A.  C  Mac  Gill-Eathain,  an  Cunndainn,  is  tha  e  a  nis  air  a  thoirt  am  follais  mar  chuimh- 
neachan  air." — Am  Fear-deasachaidh.] 


THA  Mairi  agus  mi  fhein  min-eolach  air  a 
cheile  a  nis.  Tha  meas  mor  aig  a  mhinisteir 
air  Mairi,  agus  tha  meas  air  Mairi  aig  a'  mhinis- 
teir. Ach  cha  b'  ann  gun  fhios  a  thachair  e  gu 
'n  robh  urram  aig  an  dithis  ud  d'a  cheile.  Cha 
ghabhadh  Mairi  ri  fear  no  ri  te  a  bha  beo  ach 
air  aon  doigh.  No  theagamh  gu'n  robh  da 
dhoigh.     Fear  no  bean,  bg  no  scan,  bochd  no 


bearteach,  cha  chuala  Mairi  riamh  an  guth  gun 
fuasgladh  no  cobhair  a  dheanamh  orra.  Bha 
Mairi  mor  ann  am  pearsa,  agus  bha  a  cridhe  cho 
mor  r'a  pearsa.  Co  dhiu  a  bha  an  t-easbhuidh- 
each  glic  no  amaideach  dheanadh  i  fuasgladh 
na'm  b'  urrainn  dhi  aig  an  am  ;  ach  na'n  robh 
an  t-easbhuidheach  bochd  da  rireadh  am  feum, 
moch  agus  fad  an  latha,  bhitheadh  rim  air  a 


8 


MAIRI 


cridhe,  agus  bhitheadh  a  lamh  a'  toirt  seachad 
na'n  robh  ni  air  bith  aice  a  b'  urrainn  dith  a' 
thoirt  seachad  no  dheanamh.  'N  uair  a  dh' 
fhas  bean  antailleir  mh6irtinn,thug  Mairi  leatha 
apaisdean  dhachaidh  d'a  tigh  f  hein  agus  ghleidh 
i  na  leanaban  ann  a  sin  gus  an  robh  an  cunnart 
seachad  agus  bean  an  tailleir  air  a  casan  a  rithis. 
Ach  an  uair  a  bha  dhith  orra  ci'idhe  Mairi  a' 
losgadh  chuireadh  na  balaich,  na  peasain,  'na 
cuimhne  an  uair  a  thug  i  dhachaidh  leatha  am 
balachan  ceaird  le  chas  bhriste  ;  mar  bu  mhotha 
dheanadhMairi  air  fhein  agus  air  an  leabaidh  a 
ghleidheadh  an  ordugh,  b'  ann  direach  mar  sin 
a  chuireadh  esan  an  leabaidh  agus  na  bha  innte 
troimhe-cheile  :  agus  mar  bu  mhotha  throid- 
eadh  i  ris,  b'  ann  direach  bu  mho  a  bheireadh  e 
beulais  seachad  di.  B'  fhada  le  Mairi  an  uair 
ud  gus  an  robh  an  giobull  luaineach  air  an 
rathad  a  rithis.  Cha  do  leig  Mairi  air  di- 
chuimhne  gu  luath  mar  thachair  di  fhein  agus 
do'n  bhalachan-cheaird,  agus  na'n  leigeadh,  bha 
muinntir  eile  deas  gu  leor  a  ghleidheil  'na 
cuimhne.  Nach  trie  a  thachair  e  riu-san  a  rinn 
coibhneas  ri  muinntir  eile  gu'n  d'  fhuair  iad 
fhein  losgadh  agus  dragh,  gun  phaigheadh  agus 
gun  taing. 

Ach  CO  dhiu,  ged  a  bha  iomadh  dragh  aig 
Mairi  bha  i  direach  cho  deas  fuasgladh  a  dhean- 
amh air  an  ath  uireasbhuidheach  bochd  agus  a 
bha  i  air  an  fhear  mo  dheireadh.  B'e  nadur  e, 
agus  coltach  ri  Donnacha  Ban  'n  uair  a  bha  e 
deanamh  nan  oran,  cha  robh  arach  aice  air. 

Ach  bha  doigh  eile  air  cairdeas  a  dheanamh  ri 
Mairi ;  agus  cha  robh  fear  no  bean  air  a'  bhaile 
nach  robh  gle  eolach  air  so.  Bu  bheag  air 
Mairi  gach  leisgein  's  an  aite.  Throideadh  i 
riu  gus  am  bitheadh  naire  orra  :  bha  a  teanga 
cho  geur  ri  siosar  an  tailleir  a  ghearradh  oirleach 
roimh  an  fhaobhar.  Chaineadh  i  iad,  agus 
smadadh  i  iad  :  bhitheadh  iad  aice  fuar  agus 
teth  uair  mu  seach,  gus  am  bitheadh  critheann- 
an-fuachd  'nan  dromannan  agus  fallus  air  an 
gruaidh.  Cha  toirinn  da  sgilinn  air  fear  sam 
bith  a  bha  aon  uair  ann  am  beul  Mairi  agus 
nach  robh  naire  air  air  a  shon  fhein  riamh  'na 
dheidh. 

Riu-san  a  bha  deanamh  an  dichill  bha  i  caird- 
eil  blath-chridheach.  B'  iomadh  sgeula  bhochd 
a  chual  i,  agus  b'  iomadh  comhairle  mhaith  a 
thug  i  seachad,  agus  cha  chuala  duine  beo  facal 
riamh  na  dheidh.  An  naidheachd  a  chuala 
cluasan  Mairi  cha  chuala  duine  riamh  tuilleadh 
a  beul.  Bha  i  cho  dtiinte  ris  na  creagan 
fhein. 

'N  uair  a  thainig  am  ministear  iir  do  'n  sgir- 
eachd  thachair  e  ri  Mairi  mar  a  thachair  e  riu 
uile.  Ged  nach  robh  tigh  Mairi  ro  mhor  thug  e 
fainear  gu'n  robh  i  fein  agus  gach  ni  air  taobh 
stigh  ballachan  an  tighe  cho  grinn  agus  cho 
speisealda  ri  prine  iir  a  paipeir.  Thug  e  an  aire 
mar  an  ceudna  gu'n  robh  da  shiiil  gheura  ag 


amharc  a  mach  as  a  ceann,  agus  ged  nach  robh 
i  ag  radh  ach  beagan,  bha  i  a'  gabhail  a  stigh 
moran.  Air  an  rathad  dhachaidh  chuireadh  am 
ministear,  an  drasd  agus  a  rithis,  barr  a  bhata 
da  oirleach  anns  a'  ghrunnd  mar  gu'n  robh  e  a' 
pi-onadh  tholl  ann  an  claigeann  Mairi  feuch  am 
faiceadh  e  no'n  tuigeadh  e  a  smuaintean.  Ach 
cha  do  thuig  am  ministear  Mairi  an  la  ud,  no 
iomadh  latha  na  dheidh-sin.  Cha  do  chleachd 
Mairi  a  bhi  brosgul,  agus  ged  a  bha  nis  orra 
currachd  ban,  cho  geal  ris  an  t-sneachda,  agus 
a  fait  cho  liath  ri  caora,  b'  fheudar  do  Mhairi 
faicinn  chan  e  a  mhain  gu  'n  I'obh  iad  dileas, 
dichiollach  ;  ach  'nan  gniomh  agus  'nan  caithe- 
beatha,  gu'n  robh  iad  dileas  dichiollach,  mar  an 
ceudna.  Tha  a  dhoigh  fhein  aig  gach  h-aon 
againn  agus  c6  a  gheibheadh  coire  do  Mhairi 
na'n  robh  i  ri  coigrich  fuar  diiinte,  'n  uair  a  bha 
i  da  rireadh  o'n  taobh  a  stigh  coibhneil,  cairdeil, 
blath. 

Ach  ma  bha  am  ministear  6g  ann  am  bliadh- 
nachan,  agus  aineolach  air  moran  de  dhoighean 
na  beatha  so,  bha  e  faicilleach,  faidhidneach. 
Ged  nach  b'  urrainn  dha  tuigsinn  cianaar  a  bha 
siiilean  Mairi  cho  dorcha,  fuar,  shaoil  e  gu'n 
robh  a  h-aodann  uasal  cairdeil,  agus  mar  gu  'm 
b'  eadh,  gu'n  robh  fiamh  ghaire  a'  lasadh  a  suas 
air  a  gruaidhean  an  drasd  agus  a  rithis  :  ach  cha 
robh  e  idir  cinnteach.  B'  ann  air  an  aobhar  so 
a  bha  e  a'  stobadh  a  bhata  's  a  ghrunnd  no  a 
spreadadh  nan  clacha  beaga  an  sud  agus  an  so 
air  a  rathad  dhachaidh,  mar  a  bha  e  a'  beachd- 
smuaineachadh  air  na  chunnaic  agus  na  chual  e 
an  la  ud. 

Chaidh  an  uine  seachad.  Bha  Mairi  'n  a 
h-aite  amis  an  eaglais  air  gach  la  Sabaid,  no  co 
dhiu  cho  trie  agus  a  b'  urrainn  dhith  ;  gle  thric 
chuireadh  i  a  mach  air  an  t-searmon,  ach  bha 
i  a'  faicinn  gu  robh  an  duine  bg  diirachdach,  agus 
air  an  aobhar  sin  theireadh  i  rithe  fhein  an 
deidh  dol  dhachaidh,  "  Tuigidh  e  na's  fhearr 
mar  theid  bUadhnachan  thar  a  chinn."  Agus 
mar  a  thubhairt,  b'  fhior. 

Mar  bha  Mairi  i  fhein  blath-chridheach  a  reir 
naduir,  agus  mar  bha  i  'n  a  gniomh  gach  latha, 
no  CO  dhiu  gach  seachduin,  a'  deanamh  fuas- 
glaidh  air  easbhuidheah  air  chor-eigin,  mar  sin 
b'  fheudar  do  gach  aon  air  am  bitheadh  deagh 
bharail  aig  Mairi  deanamh  air  a'  mhodh  cheudna. 
Cha  robh  fios  aig  a'  mhinistear  air  so,  ach  ged 
nach  robh,  bha  e  a'  deanamh  a  dhleasdanais  mar 
mhinistear,  a'  dol  a  mach  agus  a  steach  am 
measg  a'  phobuill  mar  a  b'  fhearr  a  b'  aithne 
dha.  Shaoil  Mairi  an  toiseach  nach  leanadh  so 
ach  tacan  beag.  Ach  ruith  an  uine  agus  aig 
ceann  na  bliadhna  bha  an  t-oganach  cho  dleas- 
danach  dichiollach  's  a  bha  e  an  toiseach.  Agus 
mar  a  dh'  aidich  Mairi,  bliadhnachan  'na  dheidh 
sin,  ged  nach  d'  innis  i  riamh  do'n  mhinistear 
fhein  e,  "  Bu  mhaith  dhuinne  an  la  a  thainig 
e  do'n  sgireachd  againn." 


Aireamh  12 


1937 


Am  bi  thu  ag  urnuigh  ? 

"  Feuch,  tha  e  ri  urnuigh." — Gniomhahan  ix,  11 


SIN  aon  de  na  comharraidhean  as  cinntiche 
gu  bheil  eagal  an  Tighearn  ann  an  cridhe 
duine,  e  bhi  ag  tirnuigh. 

Tha  gu  leoir  de  dhaoine  ann  nach  do  rinn 
urnuigh  o  chionn  coig,  no  deich,  no  fichead 
bliadhna.  Chan  e  mhain  nach  'eil  Dia  'n 
an  uile  smuaintean  ;  chan  'eil  e  ann  an  gin 
dhiubh,  Tha  iad  ag  eirigh  agus  a'  laighe, 
ag  itheadh  agus  ag  61,  ag  obair  agus  a'  gabhail 
fois,  la  an  deidh  la,  gun  iomradh  aca  gu  bheil 
Dia  ann.  La  an  deidh  la  tha  iad  a'  mealtuinn 
sochairean  agus  beannachdan  an  Tighearn, 
ach  chan  'eil  iirnuigh-bhuidheachais  a'  dol 
suas  o'm  bilean. 

Ciod  is  aobhar  do'n  mharbhantachd  spiorad- 
ail  so  ?  Tha,  marbhantachd  spioradail  fhein. 
Is  naimhdeas  an  inntinn  f  heolmhor  an  aghaidh 
Dhe,  agus  is  bas  i  mar  an  ceudna.  Tha  sluagh 
an  Tighearn  uile  coltach  ri  cheile  anns  a' 
cheum  so,  gu'm  bi  iad  ag  urnuigh  ;  "  tha 
Spiorad  na  h-uchd-mhacachd  aca,  tre  an 
glaodh  sinn,  Abba,  Athair."  An  uair  a  tha 
neach  air  ath-bhreith  le  cumhachd  an  Spioraid 
Naoimh,  is  e  an  comharradh  as  cinntiche 
air  a'  bheatha  iiir,  e  thoiseachadh  air  tirnuigh. 

Rannsaich  am  Biobull,  no  eachdraidh  nan 
naomh,  agus  faic  an  robh  duine  diadhaidh 
riamh  ann  nach  robh  ri  tirnuigh  gun  fhann- 
achadh  !  Co  dhiu  a  b'  ann  do'n  eaglais 
Phapanaich  no  do'n  eaglais  Phrostanaich  a 
bhuineadh  iad,  co  dhiu  a  bha  iad  a'  leantuinn 
Luther,  no  Calvin,  no  Arminius,  no  ciod  air 
bith  dealachadh  a  bha  eatorra  a  thaobh  phuin- 
gean  eile,  bha  iad  uile  a'  buanachadh  ann  an 
urnuigh.  Is  e  urnuigh  anail  na  beatha  anns 
a'  chreidmheach. 

Am  bi  thusa  ag  tirnuigh,  a  leughadair  ? 
Mur  bi,  cuimhnich  gu  bheil  thu  'g  ad  dhiteadh 
fein,  oir  tha  sin  a'  dearbhadh  gu  bheil  thu 
gun  Dia  agus  gun  dochas  fhathast.  Ged 
labhradh  tu  le  teangaibh  dhaoine  agus  aingeal 
mu  nithean  spioradail ;  mu  thaghadh,  mu 
ghras  Dhe,  agus  mu  fhireantachd,  agus  gun 
thu  bhi  ri  tirnuigh,  cha  bhitheadh  annad^ach 
ciombal  a  ni  gleangarsaich.  Is  e  a'  cheud 
obair  mhaith  a  ni  an  creidmheach  anns  an 
t-saoghal  so,  hruidhhm  ri  Dia.  Is  ann  le  bhi 
bruidhinn  ri  Dia,  agus  le  bhi  leigeil  le  Dia 
labhairt  ruinn,  a  chumar  sinn  ann  an  co- 
chomunn  Dhe.  Chan  fhas  neach  gu  brath 
ann  an  gras,  no  ann  an  eolas  air  Dia,  mur 
bheil  e  trie  air  a  ghltiinean  aig  cathair  nan 
gras. 


An  uair  a  tha  thu  air  do  ghltiinean  ag  urnuigh 
tha  thu  anns  an  daimh  sin  ri  Dia  anns  an 
coir  do'n  chreutair  a  bhi ;  iriosal,  umhail, 
earbsach.  Tha  thu  mar  gu'm  bitheadh  tu 
ag  radh,  "  Labhair,  a  Thighearn,  oir  tha  do 
sheirbhiseach  ag  eisdeachd."  A  thuilleadh 
air  sin  chan  'eil  dion  no  gearrd  o'n  pheacadh 
as  fhearr  na  tirnuigh,  a  chionn  nach  urrainn 
cordadh  a  bhi  eatorra.  Cha  dean  an  da 
aoigh  sin  comhnuidh  anns  an  aon  chridhe  ; 
ma  thig  am  peacadh  a  steach  air  an  dorus 
theid  an  urnuigh  a  mach  air  an  uinneig.  Am 
bitheantas,  ma  thoisicheas  duine  diadhaidh 
air  dearmad  a  dheanamh  air  tirnuigh,  no  ma 
chailleas  e  a  chail  dhi,  is  e  an  t-aobhar  gu 
bheil  a  pheacaidhean  fein  'g  a  thacadh,  air 
chor  agus  nach  urrainn  dha  tirnuigh  a  dhean- 
amh. Tha  a'  bhuaidh  sin  aig  a'  pheacadh 
daonnan  ;  bheir  e  an  cainnt  agus  an  cail  o 
dhaoine  diadhaidh  aig  cathair  nan  gras. 

Ma  tha  duilgheadas  air  bith  agad,  a  leugha- 
dair, a  thaobh  tirnuigh,  is  ann  annad  fein  a 
tha  e,  agus  chan  ann  ann  an  Dia.  Tha  Dia 
ag  iarraidh  ort  urnuigh  a  dheanamh,  agus  a' 
gealltainn  gu'n  eisd  e.  Faodaidh  am  peacach 
as  miosa  dochas  a  bhi  aige  gu'n  eisd  Dia  r'a 
athchuinge,  oir  dh'  fhosgail  Criosd  an  t-slighe 
'g  a  ionnsuidh,  Chan  e  mhain  gu'm  faod  am 
peacach  dol  a  steach  do'n  ionad  as  ro-naoimhe 
tre  ainm  Chriosd,  ach  tha  Criosd  fein  a'  tagradh 
as  a  leth,  agus  a'  naomhachadh  urnuighean 
truagh-san  le  aileadh  cubhraidh  na  h-eadar- 
ghuidhe  a  tha  e  a'  deanamh  as  a  leth.  Ma 
tha  e  f  ior  gur  e  Criosd  annainn  dochas  na  glbire 
tha  e  fior  mar  an  ceudna  gur  e  Criosd  annainn 
cumhachd  na  h-iirnuigh. 

Cha  ruig  neach  a  leas  eagal  a  bhi  air  nach 
aithne  dha  tirnuigh  a  dheanamh,  no  nach 
aithne  dha  ciod  na  nithean  a  bu  choir  dha 
iarraidh  air  Dia,  oir  dh'  ullaich  Dia  fear- 
teagaisg  a  chuidicheas  leinn  'n  ar  n-anmhuinn- 
eachd.  A  cheart  cho  luath  's  a  theid  thu 
air  do  ghltiinean  ann  an  treibhdhireas,  tha 
an  Spiorad  Naomh  a'  toiseachadh  air  obair 
dhiomhair  agus  bheannaichte  a  dheanamh 
'n  ad  chridhe,  agus  leigidh  e  fhaicinn  dhuit 
t'uireasbhuidhean  agus  am  feum  a  tha  agad 
air  Dia.  Ach  ni  e  na's  fhearr  na  sin,  bheir  e 
dhuit  dearbhachd  a  thaobh  Dhe,  agus  is  e 
sin  an  t-iomnhas  as  fhearr  a  gheibh  thu  anns 
an  t-saoghal  so,  dearbhachd  a  thaobh  Dhe. 
Theagamh  gu  bheil  doighean  eile  ann  anns  an 
ruigear   air   dearbhachd   a   thaobh   Dhe,   ach 


% 


AM  BI  THU  AG  URNUIGH  ?— ANNS  A'  CHATHAIR 


mar  is  trice  tha  e  air  fhaotainn  leo-san  a 
bhitheas  ri  iirnuigh. 

Tha  moran  dhaoine  anns  an  t-saoghal  an 
diugh  aig  a  bheil  iarraidh  mhor  air  dear- 
bhachd  fhaotainn  a  thaobh  iirnuigh  fhein. 
Bu  mhaith  leo  a  bhi  cinriteach  co  dhiu  a  tha 
cumhachd  is  buaidh  ann  an  iirnuigh  mar 
bhitheas  na  diadhairean  ag  radh.  Tha  amh- 
arus  aca  nach  'eil,  a  chionn  gur  aithne  dhaibh 
gu  leoir  de  luchd-aideachaidh  nach  'eil,  a 
reir  choslais,  dad  na's  fhearr  na  iad  fein,  ach 
tha  amharus  aca  cuideachd  gu  bheil  duine  no 
dha  as  aithne  dhaibh  a'  faotainn  ann  an  urnuigh 
iocshlaint  agus  neart  nach  buin  do'n  t-saoghal 
so.  Mar  sin  bu  mhaith  leo  fios  cinnteach  a 
bhi  aca  a  thaobh  na  h-eifeachd  a  tha  ann  an 
urnuigh,  agus  clod  na  nithean  a  dh'  fhaodas 
iad  a  thoirt  an  lathair  Dhe. 

Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  dearbhachd 
fhaotainn  a  thaobh  urnuigh,  iirnuigh  a  dhean- 
amh.  Tha  run-diomhair  an  Tighearn  aca- 
san  d'  an  eagal  e.  Cha  bhiodh  feum  air  bith 
ann  dhuit  toiseachadh  air  leabhraichean  nam 
feallsanach  agus  luchd-ealadhain  a  leughadh, 
no  an  argumaidean  mu  iirnuigh  a  chur  air  a' 
mheidh,  ach  bhiodh  feum  ann  dhuit  dol  do 
chomunn  agus  do  chompanas  nan  naomh,  a 
dh'  eisdeachd  ri  am  fianuis-san.  Agus  gheibh 
thu  an  fhianuis  sin  na's  soilleire  agus  na's 
firinniche  anns  a'  Bhiobull  na  ann  an  aite  air 
bith  eile. 

Anns  a'  Bhiobull  chi  thu  agus  cluinnidh 
tu  na  naoimh  ag  iirnuigh ;  maduinn,  agus 
meadhon-la,  agus  feasgar.     Anns  a'  Bhiobull 


tha  thu  ann  an  saoghal  na  h-urnuigh  ;  saoghal 
far  a  bheil  iirnuigh  nadurra  ;  cainnt-mhath- 
arail  nan  uile  dhaoine  a  tha  ag  iai-raidh  an 
Tighearna.  Anns  a'  Bhiobull  chi  thu  urnui- 
ghean  dhaoine  maithe  a'  deanamh  nithean 
nach  creid  muinntir  an  t-saoghail,  a'  sgoltadh 
chreag,  a'  toirt  teine  o  neamh,  a'  toirt  nam 
marbh  beo,  a'  slanachadh  dhaoine  tinne,  a' 
tilgeadh  a  mach  dheamhan.  Anns  a'  Bhiobull 
cluinnidh  tu  am  facal  so  o  Dhia,  air  a  labhairt 
le  Mac  Dhe  nach  do  labhair  riamh  facal 
diomhain,  "  Ge  b'e  air  bith  nithean  a  dh' 
iarras  sibh  ann  bhur  n-iirnuigh,  ma  chreideas 
sibh,  gheibh  sibh  iad."  "  Ma  dh'  iarras  sibh 
ni  air  bith  a'm'  m'  ainm-sa  ni  mise  e." 

Am  b'  urrainn  dhuit  misneach  no  barantas 
na's  fhearr  na  sin  fhaotainn,  facal  is  gealladh 
an  Tighearn  losa  Criosd  air  a  sheulachadh  le 
fiosrachadh  nan  naomh  ? 

Anns  a'  bheatha  spioradail  tha  mughadh 
mor  eadar  aon  chreidmheach  agus  creidmheach 
eile  ;  an  dara  fear  a'  fas  agus  a'  dol  air  aghaidh 
o  neart  gu  neart,  agus  am  fear  eile  a'  dol  air 
ais.  Ciod  an  t-aobhar  ?  Tha,  mar  is  trice, 
gu  bheil  an  dara  fear  ri  iirnuigh,  agus  gu  bheil 
am  fear  eile  a'  deanamh  dearmad  oirre. 
Cha  chuala  mi  riamh  iomradh  air  duine  a 
bha.  comharraichte  air  son  a  naomhachd 
nach  robh  comharraichte  air  son  iirnuighean 
diomhair.  An  uair  a  chi  thu  daoine  a  bha  aon 
uair  air  an  soillseachadh  a'  cul-shleamhnachadh 
agus  a'  tuiteam  air  falbh  o  Dhia  faodaidh 
tu  a  bhi  cinnteach  gu'n  do  thuit  iad  air  falbh 
roimh  sin  o  iirnuigh  dhiomhair. 


Anns  a'  Chathair 


THA  obair  na  Sabaid  seachad ;  anns  a' 
mhaduinn  chum  sinn  cuimhne  air  na  gillean 
a  bha  air  am  marbhadh  anns  a'  chogadh, 
agus  a  nis  m'  an  teid  m.i  a  laighe  bu  mhaith 
learn  rud  no  dha  a  bha  'n  am  inntinn  an  diugh 
a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  an  dochas  nach 
dean  iad  cron  co  dhiu,  mur  dean  iad  maith. 
Faodaidh  mi  rud  a  radh  anns  a'  chathair  nach 
bitheadh  freagarrach  anns  a'  chiibaid. 

Ann  an  iomadh  eaglais  air  feadh  na  diithcha 
tha  mi  cinnteach  gu  robh  iomradh  air  a  dhean- 
amh  an  diugh  air  bas  an  duine  urramaich. 
Canon  Shepherd,  no  Dick  Shepherd  mar 
theireamaid  ris,  am  ministear  a  b'  ainmeile  anns 
an  rioghachd,  agus  air  am  bu  mho  meas  agus 
gaol  an  t-sluaigh.  Bha  e  'n  a  Ard-Easbuig 
ann  an  eaglais  an  Radio,  an  eaglais  as  motha 
agus  as  cumhachdaiche  ann  am  Breatunn 
an  diugh  ;  eaglais  gun  chreud,  gun  mhinis- 
tearan,  gun  togalaichean,  gun  luchd-riaghlaidh, 
gun  Chleir,  gun  Seanadh,  a  tha  uidh  ar  n- 
uidh  a'  falamhachadh  chaich,  agus  ag  atharr- 
achadh  bheachdan  dhaoine  gun  fhios  daibh. 


B'e  Canon  Shepherd  Pacifist  a  bu  laidire 
anns  an  diithaich,  is  tha  na  Pacifists  a  nis  air 
fas  cho  cinnteach  'n  am  beachdan  fein  's 
gu'm  feumar  am  beannachadh  no  am  malla- 
chadh,  oir  tha  iad  an  dara  cuid  'n  an  cunnart 
do'n  rioghachd,  air  neo  tha  iad  fada  air  thois- 
each  air  daoine  eile,  an  gliocas,  an  diadhaidh- 
eachd,  agus  an  eolas  air  inntinn  Chriosd.  Ciod 
a  tha  Pacifism  a'  ciallachadh  ? 

Feuchaidh  mi  ri  sin  innseadh  mar  is  fhearr  is 
urrainn  dhomh,  ged  tha  e  car  duilich  a  dhean- 
amh,  a  chionn  gu  bheil  uiread  sheorsachan 
Phacifists  ann  's  a  tha  de  dhaithean  anns  a' 
bhogha-fhrois.  Tha  cuid  'n  am  Pacifists  a 
chionn  nach  toigh  leo  uachdarain,  no  muinntir 
an  airm,  no  Winston  Churchhill ;  tha  amharus 
aca  gu  bheil  an  trianaid  chronail  sin  ceart 
coma  ged  bhiodh  muilleanan  air  am  mar- 
bhadh na'n  cumadh  sin  iad  fein  an  inbhe  agus 
an  iighdarras.  Tha  cuid  eile  'n  am  Pacifists 
a  chionn  gu  bheil  dannarrachd  agus  crosdachd 
annta  gu  nadurra ;  feumaidh  iad  a  bhi  an 
aghaidh    an  ranna    co    dhiu  ;    an    aghaidh    a' 


ANNS  A'  CHATHAIR 


3 


Ghoverninent,  an  aghaidh  an  coimhearsnach,  an 
aghaidh  am  faileas  fein.  Na  'n  robh  na  daoine 
so  ah-  an  i-usgadh  chitheadh  tu  air  an  uchd 
ball-dobhrain  a  bha  oi'ra  o'm  breith,  Anti  ah-  a 
dheargadh  air  am  broilleach.  Tha  feadhainn 
eile  'n  am  Pacifists  a  chionn  gu  bheil  eagal  an 
cridhe  orra  gu'm  bi  iad  air  am  marbhadh 
ma  thig  cogadh,  no  a  chionn  gu  bheil  cogadh 
'n  a  rud  leanabail,  agus  amaideach,  agus  neo- 
reusonta  'n  an  suilean. 

An  seorsa  ceart 

Tha  uiread  sheorsachan  dhaoine  am  measg 
nam  Pacifists  an  diugh  's  a  bha  ann  an  uaimh 
Adullaim  ri  hnn  Dhaibhidh,  ach  cha  ghabh 
mi  gnothuch  ri  gin  dhiubh  sin  ach  a  mhain 
ris  an  fheadhainn  cheart,  an  fheadhainn  a 
dhiultas  arm  a  thogail  as  lath  an  duthcha,  a 
chionn  nach  leig  an  coguis  leo  dol  an  aghaidh 
te^^gasg  Chriosd,  teagasg  Chriosd  mar  tha 
iadsan  'g  a  thuigsinn.  Sin  an  aon  seorsa  as 
fhiach  Pacifists  a  radh  riu.  Chan  'eil  anns  a' 
chorr  ach  daoine  a  rachadh  a  thapaid  ri  cheile 
ann  am  mionaid  gad  nach  rachadh  iad  a 
thapaid  ri  namhaid  aig  an  robh  arm  'na  laimh. 
Tha  iad  'g  am  mealladh  fein,  a'  saoilsinn  gur  e 
Pacifists  a  tha  annta  fein,  agus  gun  annta  ach 
Philistich,  daoine  nach  buin  do  chomh-cheangal 
Israeil  idir. 

Cha  choir  dhuinn  an  t-ainm  Pacifist  (oir  is 
ainm  uasal  e)  a  thoirt  do  dhuine  air  bith  mur 
bheil  e  'n  a  dhuine  cho  naomh  agus  cho  dia- 
dhaidh  's  nach  b'  urrainn  dha  gun  an  gaol  a 
bhi  aige  air  a  h-uile  duine  a  bha  aig  Criosd 
orra.  Sin  am  Pacifism  a  bheir  buaidh  air  an 
t-saoghal ;  an  aghaidh  Pacifism  de  'n  t-seorsa 
sin  chan  'eil  ann  an  neart  airm,  no  ann  an 
gairdean  feola,  ach  mar  gu'm  biodh  tonnan  na 
fairge  a'  bualadh  air  creig. 

Fein-mhealladh 
Ach  chan  fhaighear  Pacifism  glan  de'n  t- 
seorsa  sin  ann  an  rwghackd  mar  gheibhear  e 
ann  an  duine  naomh  an  sud  agus  an  so, 
air  chor  agus  ged  chuiraadh  rioghachd 
roimhpe  gu'm  biodh  e  ghc  dhi  gun  chur  an 
aghaidh  an  uilc,  agus  a  thoil  a  leigeil  le  fear- 
foirneirt,  nach  biodh  ann  dhi  ach  fein-mhealladh 
a  bhi  an  diiil  gu'n  leaghadh  sin  cridhe  an 
eucoraich  agus  gu'n  tionndadh  e  o'n  olc  e. 
Cha  tionndadh  idir,  is  chan  'eil  aobhar  air 
bith  gu'n  tionndadh.  Chan  e  nach  cuir  duine 
an  aghaidh  an  uilc,  no  gu'n  toir  e  dhuit  fhall- 
uinn  cuideachd  ma  thug  thu  bhuaith  a  chota, 
no  gu'n  teid  e  leat  da  mhile  ma  thug  thu  leat 
mile  a  dh'  aindeoin  e,  no  gu'n  tionndaidh  e 
an  gial  eile  riut  ma  bhual  thu  air  a'  ghial  dheas 
e,  no  gu'n  leig  e  leat  a  leagadh,  agus  a  laagadh 
a  ris,  agus  saltairt  air,  gun  dol  a  thapaid  riut, 
—chan  e  na  nithean  sin  idir  cridhe  Phacifism, 
is  chan  ann  leis  na  nithean  sin  a  tha  am  Paci- 


fism fior  a'  toirt  a  mach  toradh  siochail  na 
fireantachd,  ach  leis  an  naomhachd  agus  leis 
a'  ghradh  a  tha  air  an  ciil. 

Clann  Sceva 

Chan  'eil  dad  de  na  dh'  iarr  Criosd  air  a 
dheisciobuil  a  dheanamh  nach  faod  duine  air 
bith  a  dheanamh  le  seoltachd  agus  le  gliocas 
saoghalta  ;  faodaidh  e  leigeil  leat  a  chota, 
agus  a  bhoineid,  agus  a  chroit,  a  thoirt  bhuaith, 
agus  a  bhean,  ma  thogras  tu,  gun  a  choir  a 
sheasamh,  no  gun  chur  'n  ad  aghaidh, 
ach  ma  tha  e  'g  a  dheanamh  sin  leis  an 
eagal,  no  leis  an  t-seoltachd,  an  dochas  gu'm 
paigh  e  dha  air  a'  cheann  mu  dheireadh  na's 
f  hearr  na  dol  a  thapaid,  chan  e  Pacifist  Criosdail 
a  tha  anns  an  duine  sin  ach  fear  de  mhic 
Sceva,  a  tha  feuchainn  ri  obair  Chriosd  a 
dheanamh,  chan  ann  le  cumhachd  Chriosd  ach 
le  seoltachd  agus  le  gliocas  saoghalta.  Na 
saoilaadh  an  duine  sin  gu'n  soirbhich  e  anns 
na  nithean  a  tha  aige  anns  an  t-sealladh,  no 
gu  bheil  e  'n  a  fhear-deanamh  sithe.  Tha 
e  a'  feuchainn  ri  tigh  a  thogail  gun  steidh, 
nithe  naomh  a  dheanamh  gun  a  bhi  naomh  e 
fein. 

Pacifism  gun  ghaol 

Chan  'eil  buidheann  dhaoine  anns  an  eaglais 
as  mo  a  tha  mo  chridhe  leo  na  tha  e  leis  na 
Pacifists,  is  uair-eigin  bha  mi  an  duil  gur  e 
Pacifist  a  bha  annam  fein,  ach  ged  theirinn 
seorsa  de  Phacifist  rium  fhein  f hathast,  tha  fhios 
agam  gu  maith  nach  ann  de'n  t-seorsa  cheart 
mi,  agus  mar  sin  cha  ghabh  mi  dhomh  fein 
tiotal  uasal  air  nach  'eil  mi  airidh.  Tha 
aobhar  no  dha  'g  am  chumail  air  m'  ais  gun 
dol  'n  am  measg,  ach  is  e  so  an  t-aobhar  as 
laidire,  gu  bheil  fhios  agam  nach  'eil  mi  maith 
gu  leoir,  no  naomh  gu  leoir,  no  blath  gu  leoir 
'n  am  chridhe,  gu'm  feuchainn  ri  teagasg  nam 
Pacifists  fhior  a  chur  an  geill  an  cuisean  mo 
bheatha  fein,  no  an  cuisean  na  rioghachd. 
Chan  'eil  so  'g  am  fhireanachadh  ann  a  bhi 
a'  diiiltadh  dol  leo  ach  'g  am  dhiteadh,  ach 
air  a  shon  sin  feumaidh  mi  aideachadh  a 
chionn  gur  toigh  leam  a  bhi  onarach. 

Ann  an  ciiisean  mo  bheatha  fein  cha  dea- 
chaidh  mi  riamh  ann  an  connsachadh  geur 
no  ann  an  iorghuill  ri  duine  eile,  is  bu  choma 
leam  ged  bhiodh  am  facal  mu  dheireadh  aige, 
no  ged  rachadh  e  beagan  a  steach  air  mo 
chriochan  no  air  mo  choraichean,  ach  cha 
chunntainn  sin  mar  fhireantachd  dhomh  fein 
no  mar  Phacifism,  oir  tha  fhios  agam  gu  maith 
nach  ann  air  ghaol  an  duine  eile  a  bha  mi  'ga 
dheanamh  ach  air  ghaol  mo  shithe  fein,  agus 
a  chionn  gu  robh  mo  ghliocas  saoghalta  a' 
teagasg  dhomh  gur  lugha  dragh  do  dhuine 
rudan  beaga  suarach  a  leigeil  seachad  seach  a 
shuaimhneas  fein  a  mhilleadh.     Ach  na  saoile- 


AtoS  A'  CHATHAIR 


adh  neach  air  bith  giir  e  sin  Pacifism  an  Tiom- 
naidh  Nuaidh. 

Gliocas  saoghalta 
Faodaidh  gu'n  tig  an  t-am  agus  gu'n  eirich 
suidheachadh  anns  am  biodh  e  glic  do  Bhrea- 
tunn  Ion  na  Gearmailt  air  son  fearainn  a 
shasuchadh,  gun  seasamh  air  litir  an  lagha 
no  air  a  coraichean,  ach  ged  bhithinn-sa 
mar  aon  air  son  sin  a  dheanamh  tha  fhios 
agam  gu  maith  nach  ann  a  chionn  gu  bheil 
uiread  gaoil  agam  air.  a'  Ghearmailt  no  air 
Gearmailtich  's  gu'm  b'  fhearr  leam  call 
fhulang  seach.  gu'n  deanadh  iadsan  olc  le 
dol  a  thoirt  a  mach  an  fhearainn  sin  leis  a' 
chlaidheamh.  Chan  ann  idir,  ach  a  chionn 
gu  robh  maith  mo  dhiithcha  fein  agam  anns 
an  t-sealladh  fad  na  h-tiine.  Chan  e  sin  Pacifism, 
no  rud  coltach  ris  ;  tha  Pacifism  Chriosd  ag 
iarraidh  ort  tapaid  is  tuasaid  a  sheachnadh, 
chan  ann  le  seoltachd,  no  le  gliocas  saoghalta, 
no  idir  idir  leis  an  eagal,  no  air  ghaol  sith  agus 
comhfhurtachd  dhuit  fein,  ach  a  chionn  gu 
bheil  corruich  do  namhaid  a'  goirteachadh 
do  chridhe  cho  mor  's  gu'n  tugadh  tu  seachad 
na  tha  agad  air  an  t-saoghal  air  ghaol  do 
namhaid  a  chosnadh  o'n  olc.  Sin  agad  Pacifism 
Chriosd,  an  aon  seorsa  Pacifism  as  fhiach  dhuit 
a  bhi  bruidhinn  air,  ach  'nuair  a  cheasnaicheas 
mise  mo  chridhe  fein  tha  mi  a'  faotainn  annam 
fein  cho  beag  de'n  inntinn  sin  's  nach  bu 
mhaith  leam  mi  fein  aireamh  am  measg  nam 
Pacifists ;  cha  bhiodh  annam  ach  rocais  am 
measg  nan  caluman.  Tha  fhios  agam  gu'n 
tugainn  seachad  na  tha  agam  de'n  t-saoghal  a 
chumail  mo  dhaoine  fein,  na  daoine  a  rugadh 
ann  an  tigh  m'  athar,  o  ghniomh  narach  a 
dheanamh,  ach  cha  tugainn  seachad  e  air 
ghaol  dhaoine  nach  aithne  dhomh,  no  nach  'eil 
cairdeach  dhomh,  is  cha  mho  a  tha  cor  anma 
Hitler,  no  cor  anma  Mhussolini,  a  laighe  air 
mo  spiorad  mar  laigheadh  e  air  cridhe  naomh 
agus  blath  an  t-Slanuigheir.  Mar  sin  cha 
bhiodh  ann  dhomh  ach  ladarnas  a  radh  gu 
bheil  mi  'n  am  Phacifist  mar  bha  esan. 

Cridhe  na  cuise 

Chan  ann  air  ghaol  a  bhi  deasbud  a  tha  mi 
a'  bruidhinn  air  na  nithean  so  an  drasd  ach 
air  ghaol  aon  smuain  shonruichte  a  tha  'n 
am  inntinn  gu  laidir  a  chur  sios  air  an  duilleig 
so,  an  dochas  gu'n  cnuasaich  an  luchd-leughaidh 
oirre,  agus  gu'n  cuir  i  iad  fein  gu  smuainea- 
chadh  mu'n  chilis  so,  nach  'eil  ann  am  Pacifism 
dhaoine  nach  'eil  naomh  ach  diomhanas  agus 
ruagadh  na  gaoithe.  Chan  e  mhain  nach  dean 
e  maith  ach  ni  e  cron. 

Ann  an  eaglais  na  h-Alba  an  diugh  tha 
buidheann  maith  de  Phacifists,  ach  chan  'eil 
iad  uile  de'n  aon  seorsa.  Tha  mi  a'  creidsinn 
gu  bheil  aon  no  dha  'n  am  measg  a  tha  'n 


am  Pacifists  a  muigh  agus  a  mach,  chan 
ann  a  mhain  a  thaobh  cogaidh  ach  anns  gach 
ceum  eile  d'  am  beatha.  Ach  tha  noi  an  diiil 
nach  'eil  anns  a'  mhor-chuideachd  de  chach 
ach  car  de  'n  t-seorsa  a  tha  annainn  uile,  ach  a 
mhain  gu  bheil  iad  na's  cinntiche  as  an  gliocas 
fein  agus  na's  dochasaiche  gu'n  rachadh  aca 
air  sith  an  t-saoghail  a  chur  air  bunaitean 
seasmhach  na'n  gabhteadh  an  comhairle. 
Ged  tha  iad  'n  am  Pacifists  a  thaobh  cogaidh, 
chan  'eil  iad  'n  am  Pacifists  anns  a'  chorr  d' 
am  beatha,  is  chan  'eil  agad  ach  seasamh  'n 
an  aghaidh  anns  a'  Chleir  is  chi  thu  gu  bheil 
toil  aca  nach  'eil  furasd  a  liibadh. 

An  duine  nadurra 

Bho  chionn  da  bhliadhna  bha  mi  aig  coinn- 
eamh  far  an  robh  Pacifists  a'  bruidhinn. 
Bha  comharraidhean  na  ciiiine  air  a'  cheud 
fhear  is  dh'  eisd  sinn  uile  ris  le  ro  aire,  ach  cha 
robh  an  dara  fear  'na  sheasamh  fada  gus  an 
dubhairt  e  rud-eigin  nach  do  chord  ri  moran 
a  bha  's  an  talla,  is  rinn  iad  an  fhuaim  sin  a 
bhios  daoine  a'  deanamh  an  uair  a  theid  fear- 
labhairt  tha  na  cailce.  Anns  a'  mhionaid 
chaidh  an  duine  bharr  a  shiiiil ;  thog  e  a  lamh, 
is  dhiiin  e  a  dhorn,  is  thoisich  e  air  trod.  Ach 
'nuair  a  dhiiin  esan  a  dhorn  dhiiin  mise  mo 
chluasan  ;  bha  fhios  agam  nach  e  Pacifist 
ceart  a  bha  ann  ;  nach  robh  ann  ach  duine 
a  bha  laidir  'na  bheachdan  fein. 

Teagasg  nam  Pacifists 

Ma  bu  mhaith  leat  teagasg  nam  Pacifists 
anns  an  eaglais  againn  fein  fhaotainn  as  an 
tobar  as  gloine  agus  as  doimhne  feumaidh  tu  dol 
do  Ghlaschu  gu  Ard  Fhear -teagaisg  a  tha 
anns  a'  Chollaist  sin,  an  t-Ollamh  G.  H.  C. 
Mac  Griogair.     Tha  esan  a'  cumail  a  mach, 

(1)  Nach  'eil  roghainn  eile  aig  duine  a  tha 
creidsinn  an  t-soisgeil  ach  a  bhi  'n  a  Phacifist, 
a  chionn  gur  e  Pacifism  pairt  de'n  t-soisgeul, 
agus  cridhe  an  t-soisgeil.  "  Chan  ann  a 
chionn  gu  bheil  cogadh  'n  a  ghrain  no  'na 
uamhas  a  tha  sinn  'n  ar  Pacifists,"  tha  e  ag 
radh,  "  ach  a  chionn  gu'n  do  rinn  an  Slanuighear 
air  an  d'  fhuair  sinn  eolas  eu-comasach  dhuinn 
cuid  no  pairt  a  bhi  againn  ann  an  cogadh, 
eadhon  ged  b'  ann  'g  ar  dion  fein  a  bhitheamaid, 
agus  ged  bhiodh  ar  ciiis  ceart  agus  cothromach." 

(2)  An  uair  a  bhasaich  Criosd  air  a'  chrann- 
cheusaidh  nochd  e  do'n  t-saoghal  an  doigh 
anns  an  coir  dhuinn  buntainn  ri  luchd-deanamh 
uile,  "  an  gradhachadh  agus  fulang  air  an  son." 

(3)  Is  e  an  t-slighe  air  an  coir  do'n  Chriosd- 
uidh  imeachd,  "  shghe  a'  chroinn-cheusaidh," 
ach  tha  cogadh  calg-dhireach  an  aghaidh  na 
slighe  sin. 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


(4)  Ma  chuireas  na  beaclidan  so  an  Eaglais 
agus  an  Staid  an  aghaidh  a  cheile  feumaidh 
an  eaglais  ceuman  Chriosd  a  leantuinn,  agus 
dulain  a  thoirt  do'n  Staid,  ged  bhiodh  i  air 
a  ceusadh.  Chan  urrainn  an  Eaglais  a  beatha 
a  shaoradh  mur  bheil  i  a'  leantuinn  a  Maighstir. 

Seanadh  na  h-eaglais 

Ann  an  1935  chuir  Ard-sheanadh  na  h- 
eaglais  diadhairean  agus  sgoilearan  air  leth 
gus  seoladh  a  thoirt  do  shluagh  na  h-eaglais 
air  a'  chuis  so,  ach  ged  bha  iad  a'  cnuasachadh 
oirre  fad  da  bhliadhna,  dh'  f  hairtlich  orra  solus 
no  seoladh  a  thoirt  dhuinn  ach  a  mhain  so, 
"  gu'm  faod  an  fheadhainn  a  tha  'n  am  Pacifists 
agus  an  fheadhainn  nach  'eil  'n  am  Pacifists 
a  bhi  le  cheile  treibhdhireach  agus  dileas  do 
Chriosd  agus  d'a  theagasg  anns  na  beachdan 
a  tha  aca."  Cha  mhor  sin  ri  radh,  ach  ciod 
eile  a  b'  urrainn  dhaibh  a  radh  ? 

A  h-uile  uair  a  thoisichear  air  bruidhinn  mu 
chogadh  agus  mu  shith  tha  cordadh  am  measg 
chreidhmeach  gus  an  togar  a'  cheist  so,  "  A 
bheil  e  ceart  do  dhuine  a  tha  creidsinn  anns 
an  t-soisgeul,  agus  a  tha  ag  aideachadh  Chriosd, 
dol  do'n  arm  a  sheasamh  a  dhiithcha,  agus  i 
'n  a  h-eiffin  ? 


Their  am  Pacifist  nach  'eil  e  air  a  cheada- 
chadh  dhasan  mar  Chriosduidh  cuid  no  pairt 
a  ghabhail  ann  an  cogadh,  a  dhion  a  dhiithcha, 
no  a  mhnatha,  no  a  theaghlaich,  ged  bhitheadh 
a  dhiithaich,  agus  a  bhean,  agus  a  theaghlach, 
neochiontach  ;  gur  e  a  dhleasdanas-san  Criosd 
a  leantuinn,  agus  a  dhiithaich  agus  a  bhean 
fhagail  an  urra  ri  Dia. 

Their  Criosduidhean  eile  gu  bheil  am  Pacifist 
cearr  ;  gu  bheil  e  a'  cur  uallaich  air  Dia  a  bu 
choir  dha  fein  a  ghiulan  ;  gu  bheil  ceartas  agus 
fireantachd  air  a'  cheann  mu  dheireadh  na's 
priseile  na  sith,  agus  nach  'eil  ann  an  duine 
ach  leth-Chriosduidh  agus  leth-duine  mur 
fuiling  e  cruadal  a  sheasamh.  na  corach,  ma 
tha  e  cinnteach  gu  bheil  a  dhiithaich  ceart. 

Their  clann  Edoim  gu'n  gabh  iadsan  taobh 
an  diithcha,  cearr  no  ceart. 

***** 

Tha  tarruing  mhor  aig  teagasg  nam  Paicfists 
air  inntinnean  dhaoine  oga,  theagamh  a 
chionn  gur  e  iadsan  a'  cheud  fheadhainn  a 
bhitheas  air  an  gairm  do'n  arm,  ma  dh'  eireas 
cogadh,  ach  theagamh  cuideachd  a  chionn 
gu  bheil  daoine  oga  an  duil  nach  'eil  ach  aon 
taobh  air  a'  Mhaoil,  agus  gu'n  gabh  frith- 
rathad  faotainn  do  thir  a'  gheallaidh. 


Aig  an  Uinneig 


Aonghus  Mac  Eanruic 

BHA  sinn  duilich  a  chluinntinn  gu'n  do 
shiubhail  Aonghus  Mac  Eanruic  an  toiseach 
November,  an  duine  a  bu  shine,  tha  mi  an 
diiil,  de'n  bhuidheann  bheag  a  bhitheadh  a' 
sgriobhadh  ann  am  Miosachan  Eaglais  na 
h-Alba  an  uair  a  bha  an  t-Ollamh  Gilleasbuig 
Mac-a-Chleirich,  an  Cill-mhaillidh,  a'  deasach- 
adh  nan  duilleagan  Gaidhlig.  Dh'  innis  e 
dhomh  uair  no  dha  an  toileachadh  a  thug  e 
dha,  agus  gun  e  ach  'n  a  bhalach,  an  uair  a 
chunnaic  e  a  bhriathran  fein  ann  an  clodh 
air  son  na  ceud  uaire  anns  na  duilleagan  so, 
Mies  no  dha  m'  an  do  shuibhail  e  chuir  e 
chugam  seanchas  mu  Dhotair  Rath-uaidhe, 
a  b'  aithne  dha  'n  a  oige,  is  bha  an  seanchas 
sin  anns  a'  Mhiosachan  so  an  October,  agus 
an  November. 

Rugadh  e  an  Aird-nam-Murchann,  ach 
chuir  e  seachad  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha 
eadar  Glaschu  agus  Sruidhla,  a'  faotainn  a 
bheo-shlaint  le  bhi  sgriobhadh  ann  am  paip- 
earan-naidheachd.  Tha  daoine  a  tha  toirt 
am  beo-shlainte  a  obair  de  'n  t-seorsa  sin 
'n  an  suidhe  air  fail  chorraich,  oir  tha  stair- 
sneach  nam  paipearan-naidheachd  cho  sleamh- 
ainn  ri  stairsneach  an  tighe-mhoir,  ach 
ged  nach  do  rainig  Aonghus  Mac  Eanruic 
nbhe    ard   am  measg    mhaithean   nam  paip- 


earan-naidheachd, fhuair  e  obair  o  phaipearan 
daonnan  leis  an  deachaidh  aige  air  e  fhein 
a  chumail  gu  grinn  agus  gu  comhfhurtachail. 
B'  aithne  dha  a  h-uile  duine  a  bha  deanamh 
dad  as  leth  na  Gaidhealtachd  ;  bhitheadh  e 
daonnan  'g  an  ainmeachadh  'n  a  sgriobhaidhean, 
agus  a'  bruidhinn  umpa,  agus  is  toigh  le  luchd- 
leughaidh  phaipearan  sin.  Bha  rud-eigin  maith 
aige  ri  radh  mu'n  h-uile  duine,  is  cha  bu 
mhaith  leis  oilbheum  a  thoirt  do  neach  air 
bith.  Bha  e  'na  dhuine  ciiiin,  uasal  'na  nadur, 
agus  iriosal  'n  a  dhoighean.  Ged  nach  b' 
aithne  dhomh  e  gu  pearsonta  ach  o  chionn 
coig  no  sia  bhliadhnachan,  cha  chuala  mi  e 
riamh  ag  radh  facal  nimheil  no  neo-choibhneil 
mu  dhuine  eile. 


An  t-Ollamh  Uilleam  I.  Watson 

Am  bUadhna  thainig  leabhar  iir  bho  lamh 
an  ard-sgoileir  so,  an  leabhar  as  feumaile  do 
sgoilearan  oga  Gaidhlig  a  thainig  a  mach 
bho  chuir  e  fein  a  mach  Ainmean-aite  Ceilteach 
na  h-Alba.  Is  e  ainm  an  leabhair  iiir,  Bardachd 
Alhannach  d  Leabhar  Deadhan  Lios-mor,  bard- 
achd Albannach  a'  ciallachadh  bardachd  an 
Gaidhlig  a  bha  air  a  deanamh  le  G^idheil 
Albannach  no  mu  Albainn. 

Chan  'eil  leabhar  a  bhuineas  do'n  Ghaidheal- 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


tachd  as  ainmeile  na'n  seann  leabhar  so, 
comh-chruinneachadh  de  bhardachd  a  bha 
air  a  tional  o  ehionn  ceithir  cheud  bliadhna, 
ach  tha  lamh-sgriobhaidh  an  leabhair  cho 
duilich  a  deanamh  a  mach,  agus  an  doigh- 
litreachaidh  cho  annasach  agus  neo-riaghail- 
teach,  's  gu'n  d'  fhairtlich  e  air  sgoilearan 
maithe  dad  a  thoirt  as  an  leabhar  so  a  riaraich- 
eadh  an  inntinn  fein,  gun  tighinn  air  sgoilear- 
an eile  a  riarachadh.  Dh'  fheuch  iomadh 
sgoilear  maith  Gaidhlig  a  lamh  air  an  obair 
so,  sgoilearan  nach  ruig  mi  leas  ainmeachadh, 
ach  bha  aon  iuchair  a  dhith  orra  nach  b' 
urrainn  dhaibh  na  toimhseachain  a  bha  tachairt 
orra  fhuasgladh  as  a  h-eugmhais,  agus  mar 
sin  bha  iad  mar  dhaoine  ann  an  ceo.  Ach 
tha  an  iuchair  sin  aig  an  OUamh  W.  I. 
Watson,  an  t-eolas  a  tha  aige  air  na  mead- 
air  anns  an  robh  an  t-seana  bhardachd  air 
a  sgriobhadh,  agus  air  gramar  na  seana 
chanain.  Chan  'eil  e  furasda  bruidhinn  air  an 
leabhar  so  mar  bu  choir,  is  cha  mho  a  bhiodh 
e  freagarrach  toiseachadh  air  innseadh  air 
an  duilleig  so  ciod  a  tha  'n  a  bhroinn,  oir  na  'n 
deanainn  sin,  bhithinn  a'  labhairt  ann  an  teanga 
choimhich,  rud  a  tha  Pol  a'  toirmeasg.  Chan 
ann  do'n  phohull  a  bhios  an  leabhar  so  buann- 
achdail,  ach  do  sgoilearan,  oir  tha  e  cho  Ian 
de  nithean  a  chuireas  an  inntinnean-san  air 
ghluasad  's  nach  fhaod  sgoilear  6g  Gaidh- 
lig deanamh  as  eugmhais.  Sin  an  t-seirbhis 
a  tha  an  t-Ollamh  Uilleam  I.  Watson  a' 
deanamh  d'  ar  canain  o  ehionn  corr  agus 
fiehead  bliadhna,  gu  bheil  a  h-uile  leabhar  a 
tha  e  a'  cur  a  mach  a'  cur  dhaoine  eile  air 
cheann  na  slighe  ann  an  rioghachd  an  eolais 
agus  na  sgoilearachd,  agus  a'  teagasg  dhaibh 
ciamar  a  laimhsicheas  iad  acfhuinn  mar  dheagh 
luchd-ceairde.  No  ma  dh'  fhaodas  mi  so  a 
radh  ann  an  doigh  eile,  tha  e  le  lamh  fhialaidh 
'a  toirt  sil  do  dhaoine  eile  a  chuireas  iad  'n 
an  achadh  fein. 

Ma  bu  mhaith  le  sgoilearan  oga  a  thuigsinn 
ciamar  a  bu  choir  dhaibh  ainmean  Lochlannach 
a  laimhseachadh,  leughadh  iad  an  leabhar  a 
sgriobh  e  mu  ainmean  Rois  ;  ma  bu  mhaith 
leo  ainmean-aite  air  bith  eile  no  seann  eachd- 
raidh  ar  diithcha  a  rannsachadh,  leughadh 
iad  "  Ainmean  Ceilteach  na  h-Alba  "  ;  agus  ma 
bu  mhaith  leo  fhaicinn  ciamar  a  bu  choir 
dhaibh  dol  an  caraibh  leabhar  Deadhan  Lios- 
mor,  no  leabhar  air  bith  eile  a  dheasachadh  air 
son  a'  chlodh,  leughadh  iad  an  leabhar  so, 
agus  cuiridh  e  iad  air  cheann  na  slighe  an  aite 
a  bhi  dol  mu'n  cuairt  agus  mu'n  cuairt  anns  a' 
cheo.  Tha  comharraidhean  na  sgoilearachd  air 
a  h-uile  duilleig  dheth. 

Theagamh  gu'm  bi  cuid  d'  ar  luchd-leughaidh 
a'  cur  an  tiine  agus  an  eanchainn  gu  droch 
bhuil  le  bhi  a'  fuasgladh  nan  toimhseachan  ris 
an    abrar    anns    a'    Bheurla   crois-fhacail,    ach 


feuchadh  iad  ris  an  toimhseachan  so  fhuasgladh. 
Ciod  a  tha  an  rann  so  a'  ciallachadh  ? 

Ffeinni  ga  eevi  ag  ninaiv  inaali 
Vcgregor  id  vor  thall 
Id  vron  trane  farooin  er  linna 
Er  techt  5eives  er  a  harrin. 

An  t-Ollamh  Seoras  Calder 

Bho  ehionn  ghoirid  thainig  leabhar  Gaidhlig 
eile  a  mach  a  bhios  air  a  leughadh  le  barrachd 
dhaoine  na  's  urrainn  leabhar  an  Deadhain  a 
leughadh,  bardachd  Uilleam  Rois  air  a  dheas- 
achadh air  son  a'  chlodh  leis  an  Ollamh  Seoras 
Calder  a  bha  teagasg  Gaidhlig  an  Oil-thigh 
Glaschu  gus  an  uiridh. 

Tha  an  leabhar  boidheach  agus  cuimir  ri 
laimhseachadh  ;  tha  cunntas  ann  air  beatha 
Rois,  is  that  na  h-6rain  air  an  tionndadh  gu 
ranntachd  Bheurla,  ach  chan  'eil  uiread 
cuideachaidh  no  mineachaidh  air  a  dheanamh 
oirre,  no  air  cainnt  a'  bhaird  's  a  b'  urrainn  am 
fear-deasachaidh  a  dheanamh  gu  maith,  na'n 
do  thoilich  e  a  dheanamh.  Ach  theagamh 
nach  robh  e  an  diiil  gu  robh  feum  air  sin. 
Bhithinn  fein,  mar  aon,  'n  a  chomain  na'  n 
do  rinn  e  barrachd  iomraidh  's  a  rinn  e  air 
Iain  Mac  Coinnich  a  dheasaich  bardachd  Rois 
air  son  a'  chlodh,  rud  a  dh'  fhaodadh  e  a 
dheanamh  gun  dol  fada  bharr  a  chursa.  Tha 
daoine  an  diugh  air  cuimhne  a  chall  air  Iain 
Mac  Coinnich,  seana  sgoilear  a  rinn  obair 
mhor  agus  fhiachail  'n  a  la  fein.  Chan  'eil 
so  a'  ciallachadh  nach  'eil  meas  aig  an  fhear- 
dheasachaidh  iir  air  an  t-seann  fhear  (tha  e  ag 
uisneachadh  aon  fhacal  uime  a  tha  dearbhadh 
gu  bheil),  ach  tha  uiread  meas  agam-sa  air 
's  gu'm  bu  mhaith  leam  an  tuilleadh  eolais 
fhaotainn  air. 

Cha  bu  mhaith  leam  coire  fhaotainn  do'n 
leabhar  so  a  ehionn  gu  bheil  bardachd  Ghaidh- 
lig  air  a  tionndadh  ann  gu  ranntachd  Bheurla, 
ach  bha  cho  maith  leam  gun  so  a  bhi  air  a 
dheanamh.  Cha  b'  urrainn  mise  a  dheanamh 
mi  fhein  an  dara  leth  cho  maith  's  a  theid  aig 
an  Ollamh  ionnsaichte,  Seoras  Calder,  air  a 
dheanamh,  ach  chan  e  gu  bheil  e  air  a  dhroch 
dheanamh  a  tha  mi  a'  ciallachadh  ach  gu'm  b' 
fhearr  leam  gun  e  bhi  air  a  dheanamh  idir. 
Ach  theagamh  gur  gasda  le  daoine  eile  Uilleam 
Ros  fhaicinn  ann  am  deise  Ghallda. 

Ged  nach  do  leugh  mi  a'  Bheurla  leugh  mi 
Gaidhlig  Uilleam  Rois  a  dh'  iirachadh  mo 
chuimhne  air  orain  a  bha  agam  air  mo  thean- 
gaidh  m'  an  robh  mi  dusan  bliadhna  a  dh'  aois. 
Chan  'eil  fhios  agam  c'  aite  no  ciamar  a  dh' 
ionnsaich  mi  iad,  oir  cha  robh  leabhar-bardachd 
Rois  an  tigh  m'  athar,  ach  bha  iad  a'  sgiatha- 
laich  air  feadh  na  diithcha,  agus  air  an  aithris 
o  bheul  gu  beul  aig  aon  am  anns  na  h-eileanan, 
mar  nach  robh   orain   gin   eile   de   na   baird. 


AIG  AN  UINNEIG— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Anns  an  sgiathalaich  sin  agus  anns  an  aithris 
sin  gun  leabhar  bha  iad  air  uairean  air  an  atharr- 
achadh.  B'e  so  mo  chumhne-sa  air  fear 
dhiubh, 

Ah'  maduinn  chiiiin  Cheitein 

'S  an  spreidh  air  an  Ion 

Agus  cailin  na  buaile 

Gabhail  dhuanag  mu'n  clirb. 

Tha  e  'n  a  bhuannachd  d'  ar  canain  an  leabhar 


so  a  bhi  air  a  chur  a  mach  aig  pris  as  urrainn 
daoine  oga  a  cheannach.  Tha  Gaidhlig  Uilleam 
Rois  furasd  a  tuigsinn,  agus  is  maith  i  bhi  an 
cluasan  na  h-6igridh  seach  Gaidhlig  Ghlaschu 
no  Dliun-deagh.  Bu  choir  dhuinn  a  bhi  an 
comain  an  fhir  a  chuir  a  mach  an  leabhar  so, 
chan  ann  air  son  sgoilearan,  ach  air  ghaol 
bardachd  mhaith  a  chur  an  lamhan  Ghaidheal 
oga  'n  an  canain  fein. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  de  chunnaic  mi  rud  nach  fhaca  mi  bho 
chionn  greis  mhaith,  duine  air  an  daoraich, 
agus  clann  na  sgoile  a'  leantuinn  air  a  shall,  a' 
gaireachduinn,  leis"  na  sithidhean  a  bha  e  a' 
toirt'bho  thaobh  gu  taobh  de  'n  rathad.  Chan 
'eil  e  maith  do  chloinn  a  bhi  magadh  air  duine 
air  an  daoraich,  oir  is  e  sealladh  bronach  a  tha 
ann  ;  mar  sin  chaisg  mi  a'  chlann,  is  leig  iad 
a  shiubhal  leis.  Ach  na'n  robh  aon  de  na 
h-innealan  sin  agam  leis  am  bi  daoine  a'  tarr- 
uing  dhealbhan  bu  mhaith  leam  dealbh  an 
duine  ud  a  tharruing,  agus  a  leigeil  fhaicinn 
dha  fein,  an  dochas  gun  cuireadh  e  naire 
air. 

Tha  e  duilich  naire  a  chur  air  duine  a  tha  ris 
an  61,  ach  mur  robh  naire  air-san,  bha  naire  gu 
leoir  air  an  te  a  bha  feitheamh  ris  gu  h-iom- 
guineach  gus  an  do  rainig  e  an  tigh,  gun 
bhoineid,  agus  aodann  agus  a  lamhan  air  an 
gearradh  leis  an  tapaid  a  bha  aige  ri  rathad 
mor  an  Righ.  Ach  tha  a  bhean  bhochd  eolach 
gu  leoir  air  a  bhi  air  a  narachadh  am  fianuis 
nan  coimhearsnach,  an  uair  a  chi  iad  e  a'  tighinn 
dhachaidh  air  a  sheann  dalladh. 

Fad  sheachduinean  bithidh  e  ceart  gu  leoir  ; 
an  deidh  gach  daoraich  their  e  gur  e  sud  an  te 
mu  dheireadh  ;  gu'n  d'  fhuair  e  leasan  air  an 
tarruing  so,  agus  nach  'eil  e  a'  dol  a  chur  deur 
uisge-bheatha  'n  a  bheul  gu  brath  tuilleadh. 
Ach  chuala  a  bhean  sin  fichead  uair  cheana,  is 
tha  fhios  aice  nach  'eil  ann  ach  boilich  fhaoin 
anns  nach  ruig  i  a  leas  earbsa  a  chur. 

Ciocras  na  dibhe 

An  uair  a  dhuisgeas  miann  agus  ciocras  an 
uisge-bheatha  ann  am  feoil  duine  tha  mar  gu'm 
biodh  cruimh  phuinnseanta  a'  dol  'n  a  fhuil, 
agus  cuileag  fhiabhrusach  'n  a  cheann. 
Fasaidh  e  cho  dranndanach,  crosda,  's  nach 
'eil  e  furasda  a  bhi  beo  anns  an  aon  tigh  ris. 
Chi  suilean  gaolach  a  mhnatha,  la  no  dha 
roimh  'n  am,  leth-dusan  comharradh  leis  an 
aithnich  i  gu  bheil  luaineachas  'n  a  fhuil  agus 
'n  a  fheoil.  Is  e  aon  de  na  comharraidhean  sin 
gu'n  toisich  e  air  innseadh  bhreug,  a!  moladh 
dhaoine  nach  toigh  leis  idir,  agus  gu  sonruichte 
cuideachd  na  mnatha,  ag  radh  fichead  uair  anns 
an  oidhche  gur  fada  bho  nach  faca  e  Eoghan, 


no  Iseabal,  no  Catriona,  agus  gu'm  feum  e 
tadhall  orra  am  maii*each.  Ni  a  bhean  taobh  a 
theine  fein  cho  blath,  agus  cho  glan,  agus  cho 
comhfhurtachail  dha  's  is  urrainn  dhi,  is  abraidh 
i  gu'n  iarr  i  Eoghan  agus  Iseabal  agus  Catriona 
a  dh'  ionnsuidh  an  tighe  oidhche  air  bith  a 
thoilicheas  e,  ach  cha  chord  sin  idir  i-is,  is 
fasaidh  e  cas,  is  their  e  gur  bochd  an  gnothuch 
mur  faod  duine  smog  a  ghabhail  an  tigh 
coimhearsnaich  uair  's  an  raidh. 

Chan  'eil  toll  a  ni  ise  nach  cuir  esan  cnag  ann, 
agus  dealbh  na  firinn  air  a  h-uile  lethsgeul  a 
bhitheas  aige,  ged  tha  fhios  aig  a  mhnaoi  gu 
maith  nach  'eil  annta  uile  ach  lethsgeulan  agus 
breugan  leis  a  bheil  e  a'  feuchainn  ri  ise,  agus 
ris  fein,  agus  ri  Dia  a  mhealladh. 

Bron  nam  ban 

Ach  ciod  am  feum  a  bhiodh  ann  dhomh  an 
corr  innseadh  ?  Cha  naidheachd  iir  so,  is  chan 
'eil  duine  d'  an  aithne  duine  eile  aig  a  bheil 
ciocras  air  uisge-beatha  'n  a  fheoil  nach  faod  an 
naidheachd  a  chriochnachadh.  Am  maireach 
bithidh  e  dhachaidh  aig  uair  na  dinnearach, 
agus  clove  'n  a  bheul,  ag  innseadh  d'a  mhnaoi 
le  boilich  gu'n  do  thachair  seana  charaid  air,  a 
theab  an  cota  a  shracadh  bharr  a  dhroma,  'ga 
tharruing  a  steach  do  Thigh-an-oisein,  ach  cha 
rachainn  ann  leis.  Ach  aig  uair  na  tea  cha  tig 
e  dhachaidh  idir,  agus  an  sin  cuiridh  a  bhean 
bhochd  am  biadh  a  tha  fas  fuar  anns  an  amh- 
uinn,  is  fanaidh  i  air  a  cois  gu  da-uair-dheug, 
a'  sealltuinn  a  mach  an  drasd  's  a  ris,  feuch  an 
cluinn  i  e  a'  sporghail  dhachaidh.  Thig  e 
dhachaidh  air  a'  mheadhon-oidhche,  air  a 
chomhdachadh  le  fhuil  fein  agus  le  poll,  is  chan 
'eil  de  chloves  no  de  eau-de-cologne  am  Baile- 
chloichridh  na  dh'  fholuicheadh  a  naire.  O, 
a  mhnathan  gorach,  a  cheanglas  sibh  fein  gu 
h-aotrum  ri  drongair,  cuimhnichibh  gu'n  teid 
claidheamh  troimh  'ur  cridhe,  agus  gu'n  guidh 
sibh  air  uairean  a  bhi  marbh  ! 

*  *  *  *  * 

Mur  bheil  mi  air  mo  mhealladh  tha  barrachd 
oil  a'  dol  air  aghaidh  o  chionn  da  bhliadhna  na 
bha  anns  na  bliadhnachan  an  deidh  a'  chogaidh. 
Chan  urrainn  mi  so  a  dhearbhadh  a  chionn  nach 


8 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


urrainn  dhomh  bruidhinn  ach  mu'n  oisean 
bheag  de  'n  diithaich  a  tha  laimh  rium.  Ach 
tha  mi  a'  faicinn  comharradh  no  dha  anns  an 
oisean  bheag  so  gu  bheil  barrachd  dhaoine  ag 
61  an  diugh  na  bha  o  chionn  bhliadhnachan. 

Bainne  no  leann 

Leigidh  aon  ite  fhaicinn  dhuit  ciod  an  taobh 
a  tha  a'  ghaoth,  ach  tha  rud  no  dha  eile  a' 
dearbhadh  na  thubhairt  mi.  An  uiridh  bha 
18,500,000  galan  leanna  barrachd  air  61  anns 
an  rioghachd  na  bha  air  61  a'  bhliadhna  roimh 
sin,  agus  145,000,000  galan  barrachd  's  a  bha 
air  61  an  1932.  Tha  se6rsa  de  chuimhne  agam 
gu  robh  sgillinn  air  a  toirt  bharr  na  pinnt 
leanna  uair-eigin  o  chionn  beagan  bhUadh- 
nachan,  is  theagamh  gur  e  sin  an  t-aobhar  gu 
bheil  barrachd  leanna  air  61  a  nis.  Tha  e  air 
a  radh  gu  bheil  an  diithaich  so  ag  61  barrachd 
leanna  's  a  tha  i  ag  61  de  bhainne.  Ged  nach 
do  bhlais  mise  leann  riamh,  chan  abair  mi  nach 
deoch  f  hreagarrach  e  do  she6rsachan  s6nruichte 
dhaoine,  ach  'nuair  a  chuimhnicheas  mi  air  na 
tha  de  mhnathan  agus  de  chloinn  anns  an 
diithaich,  air  an  fhearr  a  tha  bainne  a'  freagairt 
na  leann,  chuir  e  cUsgeadh  orm  fhaicinn  nach 
'eilear  ag  61  uiread  bainne  's  a  thatar  ag  61  de 
leann.  Mur  bheil  an  leann  a'  freagairt  air 
cloinn  cha  mh6  a  tha  e  a'  freagairt  air  bodaich. 

Bodaich  bheaga  a'  bhaile  ud  thall 

Bodaich  Obriachain 

'Nuair  a  dh'  61as  iad  an  leann 

'S  mor  a  bhios  de  bhruidhinn  orra 


Bha  la  ann  anns  am  bitheadh  a'  cheist  so  air 
a'  chlar  aig  a  h-uile  comunn-deasboireachd 
anns  an  diithaich,  "  Co  dhiubh  as  fhearr 
stuamachd  no  tur-sheachnadh  dibhe  ?  "  Bha 
e  air  a  radh  nach  'eil  na  sgriobturan  a'  toirt 
gniiise  do  thur-sheachnadh  an  uisge-bheatha 
idir,  ach  gu  bheil  stuamachd  air  a  theagasg 
annta,  is  bhatar  a'  sealltuinn  sios  air  daoine  a 
rachadh  fo  bh6idean  nach  blaiseadh  iad  deoch 
gu  brath  ach  le  6rdugh  dotair,  mar  nach  robh 
annta  ach  creutairean  truagha  nach  b'  urrainn 
earbsadh  asda  fein.  Ach  thainig  atharrachadh 
mor  air  beachdan  dhaoine  a  thaobh  na  ctiise  so, 
agus  is  e  na  ministearan  a  bha  'n  an  cinn-iiiil 
do'n  t-sluagh,  co  dhiu  an  Albainn,  ann  a  bhi  a' 
seachnadh  dibhe  gu  buileach.  Tha  barrachd 
mhinistearan  a'  tur-sheachnadh  dibhe  na  tha 
de  she6rsa  air  bith  eile  de  dhaoine,  chan  ann  a 
chionn  gu  bheil  eagal  orra  roimh  bhuaireadh 
i,ad  fein,  ach  a  chionn  gu  bheil  iad  air  son 
eisiomplair  mhaith  a  thoirt  do  dhaoine  eile, 
agus  am  fianuis  a  thogail  an  aghaidh  chleach- 
danna-6il  a  tha  deanamh  cron  agus  call  do'n 
diithaich. 


An  t-OUamh  Toraas  Guthrie 

Buinidh  moran  de'n  chUii  air  a  shon  so  do'n 
t-seann  Eaglais  Shaoir  anns  an  taobh  deas,  agus 
do'n  eaglais  U.P.  ;  ann  an  Eaglais  na  h-Alba, 
agus  anns  an  Eaglais  Shaoir  anns  an  taobh 
tuath,  b'  fhearr  le6  stuamachd  a  theagasg  do'n 
t-sluagh  na  tur-sheachnadh.  Tha  mi  an  duil 
nach  do  chuir  aithrichean  Rois,  no  an  clann 
spioradail,  gu  s6nruichte  an  fheadhainn  ris  an 
abrar  na  "  daoine,"  riamh  an  aghaidh  uisge- 
beatha  a  bhi  air  a  chur  mu'n  cuairt  ann  am 
measarrachd  aig  am  Comanachaidh,  no  aig 
amannan  eile  aig  am  bitheadh  ministearan  agus 
foirbhich  agus  na  "  daoine  "  cruinn. 

Tha  mi  an  duil  gur  e  an  t-Ollamh  Tomas 
Guthrie  a'  cheud  fhear  de  dhaoine-mora  na 
h-eaglais  a  th6isich  air  cur  an  aghaidh  mhinis- 
tearan a  bhi  fulang  dibhe  air  a'  bh6rd  'n  an 
tigh^fein,  no  a  bhi  'g  a  tairgsinn  d'  am  braithrean, 
ach  bha  e  air  a  shaoilsinn  cho  ne6nach  gu'n 
rachadh  an  t-Ollamh  Tomas  Guthrie  fo  bh6id 
nach  blaiseadh  e  alcohol  gu  brath  's  gu  robh 
e  air  a  mhonmhur  gu  'm  b'  e  an  t-aobhar  nach 
b'  urrainn  dha  a  ghabhail  ann  am  measarrachd. 
Cha  b'  e  sin  an  t-aobhar  idir  ;  bha  Tomas 
Guthrie  a'  faicinn  na  truaighe  a  bha  deoch 
laidir  ag  aobharrachadh  am  measg  nam  bochd, 
agus  air  ghaol  an  cuideachadh,  chaidh  e  an 
aghaidh  fasan  an  ama  ud.  An  sin  th6isich 
daoine  eile  air  a  leantuinn,  urracha  mora 
mar  bha  Pi'incipal  Rainy  agus  Principal  Cairns, 
is  sgaoil  am  fasan  iir  cho  luath  agus  cho 
farsuinn's  nach  xobh  a  bheag  de  inhinistearan 
anns  an  eaglais  U.  F.  an  1900  nach  robh  am 
measg  Cuideachd  an  Ribein  Ghuirm. 

An  aghaidh  tur-sheachnaidh 

An  toiseach  bhatar  a'  sealltuinn  sios  air 
muinntir  an  tur-sheachnaidh,  mar  dhaoine 
nach  robh  laidir  anns  an  stamaig  no  anns  a' 
cheann,  a  bha  dol  air  seachran  o  theagasg  nan 
Sgriobturan,  stuamachd,  agus  a'  teagasg  ni 
nach  robh  air  a  chomhairleachadh  anns  a' 
Bhiobull.  Mar  sin  bha  ministearan  diadhaidh 
rnar  bha  Horatius  agus  Anndra  Bonar  car 
fionnar  ri  braithrean  an  tur-sheachnaidh. 
Bha  feadhainn  eile  nach  fuihngeadh  iad  idir. 
Uair  a  bha  e  air  iarraidh  air  ministear  an  Dun- 
eideann  ainmeachadh  anns  a'  chubaid  gu 
robh  neach  s6nruichte  ri  bhi  bruidhinn  anns 
an  eaglais  an  ath  oidhche  Di-mairt  mu  thur- 
sheachnadh  dibhe,  an  deidh  dha  an  rud  ainmea- 
chadh, thubhairt  e,  "  Chomhairlichinn  dhuibh 
'ur  Biobuill  a  thoirt  dhachaidh  leibh."  An 
uair  a  th6isich  an  t-Ard  Sheanadh  air  iarraidh 
air  ministearan  labhairt  r'  an  coimhthionailean 
mu  stuamachd,  bha  aon  mhinistear  a  bhitheadh 
a'  t6iseachadh  air  an  t-seirbhis  air  an  la  sin 
leis  an  t-salm  so, — {Ri  leantuinn) 


Aireamh   i 


938 


Ar  curam 

Leis  an  Ard-Ollamii  nach  maireann,  am  FioR  Urramach  H.  R.  Mac-an-T6isich,  D.D.,  an  Dun-eideann 
"  T'dg  air  an  Tighearn  do  churam,  agvs  cumaidh  esan  suas  thu.'" — Salm.  Iv.  22. 


AIR  a'  cheud  la  de  'n  bhliadhna  bu  mhaith 
4eam  labhairt  ris  gach  neach  a  leughas  an 
duilleag  so  mu  chuid  de  na  ciiraman  agus  de 
na  h-uallaichean  as  eumanta  agus  as  truime 
a  tha  daoine  a'  giulan.  Agus  gus  toiseachadh 
leis  an  uallach  as  truime  anns  an  t-saoglial 
toisichidh  mi  le  uallach  a'  pheacaidh. 

Na  'n  robh  an  t-uallach  so  air  a  thoirt  air 
falbh  bhuainn  rachadh  againn  air  gach  uallach 
eile  a  ghiiilan  gun  ghearan.  Chan  'eil  rud 
air  an  t-saoghal  a  bheir  aoibhneas  air  falbh  as 
a'  chridhe  cho  luath  ris  a'  pheacadh  ;  millidh 
e  do  shaorsa  agus  do  shith,  agus  ni  e  do  smuain- 
eachadh  agus  do  chuimhne  searbh  dhuit. 
Chan  'eil  mi  a'  ciallachadh  peacaidhean  graineil 
a  mhain,  ach  ar  n-uile  theachd-gearr  am  fianuis 
Dhe.  Ma  sheas  thu  riamh,  a  leughadair,  an 
lathair  losa  Criosd,  agus  ma  dh'  fhairich  thu 
a  shiiilean  naomh  'g  ad  rannsachadh  mar 
mhile  coinneal,  is  cinnteach  mi  gu  robh  naire 
ort  agus  gu  robh  e  dhuit  mar  roimh-bhlas  air 
la  a'  bhreitheanais.  Ma  dh'  fhairich  thu  so 
'n  ad  fhiosrachadh  fein,  is  aithne  dhuit  uallach 
eagallach  a'  pheacaidh.  Uallach  eagallach, 
chan  'eil  facal  eile  air  a  shon  ach  sin. 

An  lathair  Chriosd 

Gus  an  seas  duine  ann  an  lathair  Chriosd 
cha  tuig  e  a  chionta  gu  eeart,  agus  chan  fhair- 
ich e  uallach  a  pheacaidhean.  Saoilidh  e  gu 
bheil  ciiisean  d'a  thaobh  ceart  an  uair  nach  'eil 
iad  ceart  idir,  ach  ann  an  lathair  Chriosd  tha 
an  t-aineolas  spioradail  sin  air  fhuadach  mar 
cheo,  agus  tha  a  pheacaidhean  air  an  dear- 
bhadh  air  le  iighdarras  agus  cumhachd  an 
Spioraid  Naoimh. 

Ach  ciod  a  nithear  ris  an  uallach  so  ?  Ciod 
ach  a  thilgeadh  air  Dia  ?  Sin  an  aon  ni  a 
ghabhas  deanamh  ris,  a  thilgeadh  air  Dia  le 
aithreachas  diadhaidh  agus  le  naire,  ach  mar 
an  ceudna  le  creideamh  agus  le  taingealachd 
gu'm  faod  sinn  sin  a  dheanamh.  Chan  urrainn 
dhuinne  na  nithean  a  rinn  sinn  cearr  a  cheart- 
achadh,  no  ar  cridheachan  a  dheanamh  glan 
an  taobh-a-stigh  dhinn,  no  sinn  fein  a  shaoradh 
o  chorp  a'  bhais  a  tha  ceangailte  ruinn.  Ach 
an  ni  a  tha  eu-comasach  dhuinne  tha  e  com- 
asach  do  Dhia. 

A  dh'  aindeoin  ar  n-uile  sheachranna  tha 
Ci'iosd  a'  tionndadh  ruinn,  agus  ag  radh, 
"  ormsa    thuit    toibheum    na    muinntir    sin    a 


thug  toibheum  dhuitse  "  (Salm  Ixix,  9).  Ciod 
eile  a  chradh  e  ann  an  garadh  Ghetsemane, 
agus  a  thug  air  fhallus  taomadh  gu  lar  mar 
bhraonibh  fala  ach  an  t-uallach  eagallach  so, 
peacadh  an  t-saoghail  ?  Ciod  eile  a  thug  air 
a  chridhe  leaghadh  'n  a  chom,  no  thug  air 
glaodhach  an  eigin  anma  "  Mo  Dhia,  Mo 
Dhia,  car  son  a  threig  thu  mi?"  ach  an  t- 
uallach  eagallach  so,  peacadh  an  t-saoghail  ? 

Their  cuid  de  dhaoine  gu  bheil  e  furasda 
maitheanas  fhaotainn,  agus  nach  'eil  e  a' 
cosd  saothair  no  amhghar  do  Dhia  maitheanas 
a  thoirt  do  pheacaich.  Ach  chan  abair  thu 
sin,  a  leughadair,  ma  bheachdaicheas  tu  air 
na  thachair  air  Calbhari,  ma  sheallas  tu  air 
Mac  naomh  Dhe  a'  fulang  'n  a  chorp  agus  'n 
a  anam  chum  gu'm  biodh  fireantachd  Dhe  agus 
gradh  Dhe  air  am  foillseachadh. 

An  lathair  a'  Chroinn-cheusaidh 
Ma  bu  mhaith  leat  grainealachd  a'  phea- 
caidh a  thuigsinn,  agus  an  cogadh  naomh  a 
tha  sior  dhol  air  aghaidh  eadar  Dia  agus 
aingidheachd  an  t-saoghail,  seas  an  lathair  a' 
chroinn-cheusaidh  agus  smuainich  air  na  thu  a' 
faicinn  an  sin.  An  sin  chi  thu  gradh  Dhe  a' 
dol  sios  do'n  doimhneachd  chum  na  ciontaich  a 
shaoradh.  Sin  agad  an  soisgeul  'n  a  ionghnadh 
siorruidh,  an  sgeul  iongantach  agus  aoibhneach 
a  tha  ag  innseadh  dhuinn  gu'n  d'  fhuiUng  Dia 
'n  a  Mhac  air  son  ar  n-easaontais-ne.  Ged  tha 
an  t-ionghnadh  siorruidh  so  os  cionn  ar  tuigse 
gidheadh  tha  e  a'  toirt  dearbhaidh  dhuinn 
gu'm  faod  sinn  saorsa  fhaotainn  bho  uallach  a' 
pheacaidh. 

A  bheil  thusa,  a  leughadair,  a'  giiilan  an  . 
uallaich  sin  fhathast,  no  an  do  thilg  thu  e  air . 
Uan  Dhe  ?  An  tainig  thu  'g  a  ionnsuidh  agus 
an  dubhairt  thu,  "  lonnlaid  mi  agus  bithidh  mi 
na's  gile  na  sneachd."  Ma  thainig,  bithidh 
an  t-6ran-molaidh  so  'n  ad  chridhe,  "  Dhasan  a 
ghradhaich  sinn  agus  a  dh'  ionnlaid  sinn  o  ar 
peacaidhean  'n  a  fhuil  fein,  dhasan  gu  robh 
urram  agus  gloir  gu  siorruidh." 

Bristeadh-cridhe 

Sin  uallach  eile  a  chromas  daoine  anns  an 
duslaich.  A  h-uile  la  d'ar  beatha  tha  daoine  a' 
tachairt  oirnn  aig  a  bheil  cridheachan  goirt  is 
leonta,  daoine  a  chaill  an  diiil  agus  an  dochas, 
daoine  a  tha  aonarach  agus  lom  de  chuideaehd, 


2 


AR  CURAM— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


a'  caoidh  na  feadhnach  a  dh'  fhalbh.  Air 
uairean  tha  bron  a'  diisgadh  as-creideamh  an 
cridheachan  dhaoine,  ach  mar  is  trice  chan 
ann  idir  ann  an  luchd  a'  bhroin  fhein,  ach  ann 
an  daoine  eile  a  tha  faicinn  am  fulangais. 

Theagamh,  a  leughadair,  gu'n  deachaidh 
thu  a  dh'  amharc  neach  air  choi'-eigin  ann  an 
la  na  trioblaid  ;  sheas  thu  aig  an  dorus  agus 
eagal  ort  dol  a  steach,  gun  fhios  agad  ciod 
a  theireadh  tu,  no  ciod  a'  chomhfhurtachd  a 
thairgeadh  tu.  Ach  cha  robh  fath  eagail 
ann,  oir  cho  luath  's  a  dh'  fhosgail  an  dorus, 
chunnaic  tu  gu  robh  an  neach  a  chaidh  thu  a 
dh'  amharc  na  bu  chiuine  agus  na  bu  strio- 
chdte  ri  toil  Dhe  na  thu  fein,  foisneachail  anns 
an  Tighearn. 

An  am  a'  chogaidh  chaidh  mi  a  dh'  fhaicinn 
ban-charaid  a  chaill  tri  mic  an  taobh  a  stigh 
de  bheagan  sheachduinean.  A  h-uile  uair  a 
thainig  droch  naidheachd  thuice  chaidh  mi  'g 
a  faicinn,  is  cha  d'  fhag  mi  riamh  a  tigh  gun 
ionghnadh  a  bhi  orm  cho  ciuin  's  a  bha  i,  agus 
na  tuiltean  a'  dol  thairis  oirre.  An  uair  mu 
dheireadh  a  bha  mi  'g  a  faicinn  b'e  so  am  facal 
a  thubhairt  i  rium,  agus  mi  'n  am  sheasamh 
air  an  stairsnich  a'  fagail  beannachd  aice, 
"  Tha  coibhneas  an  Tighearna  mor."  Thug 
earbsa  a'  bhoirionnaich  ud  ann  an  Dia  cro- 
nachadh  do  na'  anam. 


Dearbhachd  laidir 

Ach  is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  an  seorsa 
dhaoine  so  cho  ciizin  agus  cho  creidmheach  gu 
bheil  Di'a  a'  toirt  dhaibh,  maille  ri  an  amh- 
gharan,  dearbhachd  laidir  'n  a  ghradh  fein 
agus  'n  a  chomhfurtachd  fein  'n  an  aire.  Tha 
e  a'  leagail  a  laimhe  air  an  uallach  agus  'g 
a  dheanamh  aotrum,  air  chor  agus  gu'm  bi 
fiamh  gaire  air  an  aodann  agus  na  deoir  'n 
an  stiilean. 

Feumaidh  sinn  uallach  ar  trioblaid  a  thil- 
geadh  air  Dia.  Is  aithne  dhasan  ciod  a  ni  e 
ris.  An  d'  thug  thu  an  aire  cho  caomhail  agus 
cho  trocaireach  's  a  bha  Criosd  ann  an  laithean 
fheola  ?     Air  dha  a  bhi  a'  coimhead  air  losa 


agus  e  a'  saothrachadh  fad  an  la  am  measg  nan 
daoine  a  bha  bochd  agus  easlan,  thubhairt  \ 
Mata  m'  a  thimchioll.  "  Ar  ti-mwihuitmeachd 
ghiulain  e  agus  ar  doilghiosan  dh"  iomchair  e."  Is  i 
ann  o  Dhia  a  tha  ar  cobhair  agus  ar  neart  a' 
teachd,  ach  ged  tha  cobhair  agus  neart  agus 
gradh  ann  an  Dia,  air  son  ar  n-uile  uireas- 
bhuidhean,  feumaidh  sinn  cobhair  iarraidh  an 
am  ar  feuma.  "  Gun  chreideamh  chan  'eil  e 
'n  comas  Dia  a  thoileachadh  "  (Eabh.  xi,  6)  ; 
chan  'eil  iobairt  no  aoradh  eile  a  cha  cho  tait- 
neach  am  fianuis  Dhe  ri  earbsa  iomlan  a  chur 
ann. 

Na  laithean  a  tha  air  thoiseach 

Sin  uallach  eile  a  bu  choir  dhuinn  a  thilgeadh 
air  Dia.  Tha  am  bas  air  thoiseach  oirnn,  is  tha 
am  bas  'n  a  chtiis-eagail  agus  'n  a  uallach. 
Ach  tha  laithean  as  dliiithe  dhuinn  na  la  ar 
bais  'n  an  ciiis-eagail,  oir  tha  cunnartan  a' 
tachairt  oirnn  gun  sgur  air  slighe  ar  beatha. 
Am  mair  ar  neart,  agus  an  criochnaich  sinn  ar 
reis  gun  ar  cliu  no  ar  dilseachd  a  chall  ? 

Tha  an  t-ea^al  sin  'n  a  uallach  asfus  'n  a 
uallach  trom  ;  do  dhaoine  meata  chan  'eil 
uallach  eile  air  an  t-saoghal  cho  trom  ris,  ach 
is  uallach  e  a  dh'  fhaodar  a  thilgeadh  air  Dia. 
An  uair  a  tha  Criosd  a'  tearnadh  duine  chan 
'eil  e  'g  a  fhagail  an  urra  ri  neart  agus  inn- 
leachd  fein  ;  tha  e  a'  fantuinn  maille  I'is  agus 
a'  gabhail  ciiraim  dheth.  Tha  e  a'  toirt  dha 
beatha  nuadh,  aignidhean  nuadha,  dochas 
nuadh,  solasan  nuadha,  neart  nuadh,  air  chor 
agus  gu'm  faod  e  a  radh,  "  Is  urrainn  mi  na 
h-uile  nithean  a  dheanamh  tre  Chriosd,  a 
neai'taicheas  mi   "  (Phil,  iv,  13). 

Ciod  tuilleadh  a  their  sinn  ?  Ciod  ach  so  ? 
ma  tha  uallaichean  againne,  tha  neart  agus 
gradh  aig  Dia  ;  agus  tha  e  ag  iarraidh  oirnn  ar 
n-uallaichean  a  thilgeadh  air-san.  Co  dhiubh 
is  e  do  pheacaidhean,  no  do  bhron,  no  eagal  an 
la  maireach,  no  eagal  a  bhais,  a  tha  'n  a  uallach 
dhuit,  cuimhnich  nach  ruig  thu  a  leas  feuch- 
ainn  ris  an  uallach  a  ghiiilan  'n  ad  neart 
fein  ;  tilg  t'  uallach  air  Dia  ;  tog  suas  do 
chridhe  agus  abair  ris,  "  Seadh,  Athair,  is  ann 
mar  so  a  tha  do  dhea^h  thoil-sa." 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


GED  tha  e  marbh  bho  chionn  deich  bliadhna 
tha  cuid  de  na  litrichean  a  bhitheadh  e  a' 
sgriobhadh  thugam  agam  fhathast,  air  an 
gleidheadh  gu  ciiramach  ann  an  dasc  beag 
anns  an  t-seomar  far  am  bi  mi  ag  obair.  An 
uair  a  bha  a  thiomnadh  air  a  leughadh  an 
deidh  a  bhais  bha  mise  air  m'  ainmeachadh 
ann  mar  aon  de  na  cileadairean  ris  an  d' 
earb  e  sealltuinn  as  deidh  a  chiiisean  sao- 
ghalta.  Cha  robh  sin  duilich  a  dheanamh 
oir    bha    a    h-uile    ni    air    fhagail    aige    cho 


ordail  's  a  ghabhadh  iad  a  bhith  ;  gu  ruige 
nan  leabhraichean-laoidh  a  bhuineadh  dha 
anns  an  eaglais  bha  e  air  innseadh  anns  an 
Tiomnadh  ciod  a  dheanteadh  riu.  Cha  d' 
fhuair  mo  charaid  moran  cothroim  'n  a  oige, 
air  chor  agus  nach  abrainn  gu'm  bu  sgoilear 
maith  e,  ach  ged  nach  robh  an  seorsa  ionnsa- 
chaidh  aige  a  gheibhear  anns  na  sgoilean  no 
ann  an  leabhraichean,  bha  e  'na  dhuine  beachd- 
ail  aig  an  robh  inntinn  gheur  agus  laidir  gu 
naduri-a,  is  bha  salann  a'  ghliocais  'n  a  shean- 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


3 


chas  daonnan,  agus  anns  na  litrichean  a  bhi- 
theadh  e  a'  cur  thugam  da  no  tri  dh'uairean 
anns  a'  bhliadhna.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  do 
ghleidh  mi  cuid  d'a  litrichean,  agus  gu  bheil 
mi  a  nis  a'  toirt  aon  no  dha  dhiubh  am  follais, 
mar  atharrachadh  air  na  nithean  a  bhitheas  mi 
fhein  ag  radh  anns  na  duilleagan  so. 

An  doigh.  Chearr 
Cha  robh  e  riamh  posda,  is  theagamh  gur  e 
sin  an  t-aobhar  gu  bheil  uiread  anns  na  litri- 
chean aige  mu'n  doigh  anns  am  bu  choir 
clann  a  bhi  air  an  togail.  Bha  aon  droch 
f  hasan  aige  ;  cha  bhitheadh  e  a'  cur  na  bliadhna 
air  a  litrichean  idir,  ach  a  mhain  la  na  seach- 
duin,  no  an  la  de'n  mhios  air  an  do  sgriobh 
e  iad.  Mar  sin  chan  urrainn  mi  a  radh  c'uin 
a  sgriobh  e  an  te  so,  ach  theagamh  gur  ann  ann 
an  1924,  a'  bhliadhna  anns  an  do  chuir  a  choimh- 
earsnaich  air  Bord  nan  sgoilean  e,  no  air 
Comunn-Riaghlaidh  nan  sgoilean,  ma's  e  sin 
facal  as  f  hearr  leat. 

"  Ann  an  ionnsachadh  na  cloinne  thatar 
daonnan  a'  toiseachadh  aig  a'  cheann 
chearr,  ach  cha  bhi  rath  air  an  duthaich 
no  air  a'  chloinn  gus  an  toisichear  aig  a' 
cheann  cheart.  Chan  e  crioch  araidh 
an  ionnsachaidh  gu'm  biodh  daoine  air 
an  uidheamachadh  gu  obair  no  airgiod 
a  dheanamh,  ach  gu'm  biodh  an  sidlean  air 
am  fosgladh.  Cha  bu  choir  do  dhaoine  a 
bhi  smuaineachadh  air  an  ionnsachadh  mar 
rud  anns  a  bheil  buannachd,  ach  mar  rud  anns 
a  bheil  toil-inntinn.  Tha  amharus  agam 
nach  cuireadh  parantan  an  clann  do'n 
sgoil,  agus  nach  paigheadh  an  diithaich 
air  son  ionnsachadh  a  thoirt  do'n  chloinn 
mur  biodh  parantan  agus  an  diithaich  am 
beachd  gu'n  sealbhaich  na  cunntairean  an 
talamh  mar  oighreachd." 

An  inntinn  litireil 

Cha,  bu  toigh  leis  idir  daoine  tioram  aig  an 
robh  an  inntinn  litireil,  agus  bhiodh  e  ag 
radh  gle  bhitheanta  nach  robh  freumh  a' 
ghliocais  ann  an  duine  air  bith  de'n  t-seorsa  sin. 
La  a  bha  e  ann  an  eaglais  Inbhir-Chlamhain 
bha  Maighstir  Ruairidh  a'  searmonachadh  mu 
Eubh  agus  mu'n  nathair  liibach  a  mheall  i. 
Chuir  e  seachad  da  thrian  de'n  iiine  a'  minea- 
chadh  do'n  choinihthional  nach  bu  choir 
dhaibh  an  naidheachd  a  ghabhail  gu  litireil, 
a  chionn  nach  b'  e  gne  na  nathrach  a  bhi  ri 
seanchas.  Cha  do  chord  so  ri  mo  charaid, 
mar  a  dh'  fhaodar  f  haicinn  o'n  litir  so  a  sgriobh 
e  thugam  Di-luain. 

"  Bha  mi  an  de  anns  an  eaglais,  ach  ma 
bha,  thug  Maighstir  Ruairidh  clach  dhomh 
an  aite  arain.  Lean  e  air  fad  uair  an  uaire- 
adair,    a'    dranndail    mu    Eubh    agus    mu'n 


nathair,  ag  earalachadh  dhaoine  gun  an 
naidheachd  a  chreidsinn,  a  chionn  nach 
robh  teanga  aig  an  nathair  leis  am  bruidh- 
neadh  i.  Am  burraidh  bochd  !  Bha  e 
cha  eudmhor  air  son  na  firinn  bhig  's  nach 
d'  amais  e  air  an  fhirinn  mhoir.  Coma  leam 
ministearan  aig  a  bheil  inntinnean  maola. 
Ciod  an  cron  a  tha  e  a'  deanamh  do  chloinn 
bhig,  no  do  dhaoine  mora  cuideachd,  a 
bhi  creidsinn  gu'n  d'  thainig  Satan  gu 
Eubh  ann  an  riochd  nathrach  ?  Ciod  an 
riochd  eile  anns  an  tigeadh  e  ?  Nach  'eil 
sin  fein  a'  dearbhadh  gu  bheil  an  naidh- 
eachd fior  !  Ged  bha  am  fear  a  dh'innis  an 
naidheachd  so  an  toiseach  beo  ann  an  6g- 
mhaduinn  an  t-saoghail,  bha  e  fada  na 
bu  ghlice  na  ministear  Inbhir-chlamhain ; 
bha  ealadhain  aige  air  naidheachd  mhaith 
innseadh  nach  'eil  aig  Maighstir  Ruairidh. 
An  aite  a  bhi  dol  leis  na  daoine  sin  a  tha 
cumail  a  mach  nach  'eil  cuid  de  na  naidh- 
eachdan  a  tha  anns  an  t-seann  Tiomnadh 
fior  is  e  mo  bheachd  fein  gu  bheil  na  naidh- 
eachdati  daonnan  fior,  agus  gur  e  na  leasain 
a  bhios  Maighstir  Ruairidh  agus  a  sheorsa 
a'  tarruing  asda  a  tha  cearr,  agus  gun  dreach 
na  firinn  orra.  Tha  na  naidheachdan  cho  fior 
ri  Cinderella,  no  ri  Santa  Claus,  no  ri  naidh- 
eachdan mora  siorruidh  de'n  t-seorsa  sin.  Tha 
cuimhne  agam  cho  duilich  's  a  bha  mi  a'  cheud 
uair  a  chunnaic  mi  ann  an  leabhar  nach  e  cat 
coltach  ris  a'  chat  againn  fhein  a  rinn  fhortan 
do  Dick  Whittington,  ach  soitheach-seo- 
laidh  Lochlannaich  ris  an  an  abradh  na 
Lochlannaich  Cat,  bata  a  bheireadh  leatha 
sia  ceud  tunna.  Coma  leam  daoine  beaga 
le  suilean  biorach  nach  'eil  a'  creidsinn 
ann  am  bodach  na  gealaich,  no  anns  na 
sithichean.  Gheibhear  an  diadhaidheachd 
choitchionn  agus  fhior  na's  bitheanta  anns 
a'  chloinn  na  gheibhear  i  anns  na  diadhairean, 
fhein,  agus  co  a'  chlann  nach  fhaca  na  sithi- 
chean' a'  dannsadh  air  na  tulaichean  ri 
solus  na  gealaich." 

Ar  Mathair  Eubh 

Na'n  robh  mo  charaid  aig  m'  uilinn  agus 
cothrom  agam  air  a  cheasnachadh,  bu  mhaith 
leam  aon  cheist  a  chur  air  nach  cuala  mi 
riamh  air  a  freagairt,  Car  son  nach  'eil  fuath 
aig  a  sliochd  do  Eubh  ?  A  reir  teagasg  na 
h-eaglais  rinn  Eubh  cron  air  a'  chinne-daonna 
nach  do  rinn  bean  no  fear  eile  a  bha  riamh 
beo,  ach  air  a  shon  sin  uile  cha  chuala  mi  riamh 
duine  a'  faotainn  coire  dhi,  no  iomradh  air 
duine  aig  an  robh  fearg  no  fuath  'n  a  chridhe 
dhi.  Chan  ann  mar  sin  a  bhios  sinn  a'  fair- 
eachduinn  mu  dhaoine  eile  a  rinn  olc  oirnn 
fhein  no  air  na  daoine  o'n  d'  thainig  sinn. 
Car  son,  mata,  a  tha  daoine  cho  toigheach  air 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Eubh  's  a  tha  iad  ;  am  boirionnach  a  bu 
mhathair-aobhair  do  gach  truaighe  a  thainig 
air  a'  chinne-daonna  ?  Air  uairean  bidh  e  a' 
tiffhinn  a  steach  orm  ffu'n  do  dhichuimhnich 
na  diadhairean  so,  an  uair  a  rinn  iad  an  crioman 
ud  do'n  chreud  a  tha  ag  innseadh  mu  thuiteam 
mhic  an  duine. 

Pussyfoot 

Ged  bha  mo  charaid  cho  stuamia  ri  Timoteus 
no  ri  Gandhi  dh'  fhairtUch  e  riamh  orm  a 
tharruing  a  steach  do  "  Chomunn  an  tur- 
sheachnaidh."  Bhitheadh  e  ag  radh  rium 
nach  robh  annainn  uile  ach  daoine  a  bha  air 
son  saltairt  air  daoine  eile,  agus  an  saorsa  a 
thoirt  bhuapa  ;  nach  b'  fhearr  sinn  dad  na  na 
Pacifists.  Cha  bu  toigh  leis  na  Pacifists  idir, 
a  chionn  gu  bheil  iad  cho  caonnagach,  is 
bhitheadh  e  ag  radh,  "  nuair  a  thoisicheas 
daoine  air  leannanachd  ri  Pussyfoot  no  ri 
Pacifist  tha  cnuimheag  air  dol  'n  a  eanchainn 
a  chuireas  fiabhrus  a'  chuthaich  ann."  Bhith- 
eadh e  ag  radh  cuideachd  nach  b'  urrainn  dha 
a  thuigsinn  car  son  a  bha  mise  a'  dol  am  measg 
nam  Pussyfoots  ;  gu'm  feumadh  e  bhi  gu 
robh  seachran  air  chor-eigin  'n  am  cheann  a 
thigeadh  gu  droch  bhuil  uair-eigin,  agus  a' 
bhliadhna  a  bha  sinn  a'  feuchainn  ri  deoch- 
laidir  a  chur  as  ann  am  Blar  le  guth-taghaidh 
an  t-sluaigh,  agus  a  bhithinn  air  cheann  nan 
coinneamhan  a  bha  air  an  cumail  air  a  shon  sin, 
fhuair  mi  tri  no  ceithir  de  htrichean  bhuaith, 
a'  tarruing  asam  agus  a'  deanamh  fochaid 
bheag  laghach  orm,  is  gath  'n  a  h-earball. 

"  Leugh  thu  barrachd  's  a  leugh  mise 
riamh,  is  tha  fhios  agad  gle  mhaith  gu 
robh  daoine  gUc  anns  a  h-uile  Unn  ag  radh 
gur  e  01,  agus  Ceol,  agus  Gaol,  tri  solasan 
as  motha  anns  an  t-saoghal.  Co  thusa,  ma  ta, 
gu'n  togadh  tu  do  ghuth  an  aghaidh  fiosrachadh 
agus  gliocas  nan  linntean  ?  Thubhairt  duine 
as  glice  na  thusa  nach  do  chuir  e  riamh  a 
mach  airgiod  a  thug  dha  riread  toil-inntinn 
ris  an  airgiod  a  chosd  e  air  fion  maith,  agus 
nach  do  rinn  na  dh'ol  e  riamh  de  fhion 
ach  maith  mor  d'a  bhodhig  agus  d'a  spiorad. 
Tha  cuimhne  agad  air  Calum  Mac  Coinnich 
a  bha  ann  an  Cill-Bhrighde  ;  's  iomadh  uair 
a  chuala  mi  Calum  ag  innseadh  dhuinn  gu'n 
tugadh  deur  beag  de  stuth  Thalisgeir  air- 
san  maitheanas  a  thoirt  d'a  choimhearsnaich, 
agus  a  bhi  ann  an  sith  riutha,  moran  na  bu 
luaithe  na  searmoin  Mhaighstir  Ruairidh." 

Mu  shearmonachadh 
Ged  nach  robh  e  'n  a  phearsa-eaglais  bha 
e  daonnan  a'  seasamh  air  taobh  na  h-eaglais, 
agus  is  ann  gle  annamh  nach  bitheadh  e  anns 
an  eaglais  air  an  t-Sabaid.  A  thuilleadh  air 
sin  bha  e  a'  leantuinn  'n  a  thigh  fein  na  cleachd- 


aidhean  crabhach  a  dh'ionnsaich  e  'na  oige. 
Ach  an  uair  a  thachramaid  air  a  cheile  bhith- 
eadh e  ag  innseadh  dhomh  gu  robh  sear- 
monachadh  Mhaighstir  Ruairidh  'na  sgiths 
d'a  fheoil,  agus  gur  h-iomadh  uair  a  bha  e 
fein  agus  an  coimhthional  'n  an  cadal  agus 
Maighstir  Ruairidh  a'  dranndail  air  aghaidh 
mu  nithean  nach  buineadh  do  shaoghal  nam 
beo  idir.  Ach  bha  meas  aige  air  Maighstir 
Ruairidh  gu  pearsanta,  is  cha  bu  mhaith  leis 
gu'n  rachadh  duine  eile  an  sas  ann.  Is  e  an 
fhirinn  gu  robh  e  gearanach  air  teagasg  na 
Cleire  air  fad,  ag  radh  nach  robh  e  'na  ion- 
ghnadh  an  diithaich  a  bhi  a'  tuiteam  air  falbh 
bho  'n  Chreideamh  Chriosduidh  'nuair  nach 
robh  fhios  aig  an  eaglais  fein  ciod  e  an  Creid- 
eamh  Criosduidh.  Ann  an  te  de  na  litrichean 
a  chuir  e  thugam  uime  so  sgriobh  e, 

"  Tha  fhios  agam  nach  'eil  feum  air  bith 
ann  dhomh  dol  ann  an  argumaid  riutsa  mu 
theagasg  mhinistearan  an  diugh,  a  chionn 
gur  e  fear  dhiubh  a  tha  annad  fein,  a  chionn 
cuideachd  gu'n  seas  sibh  a  cheile  mar  a 
sheasas  gach  ceaird  anns  an  diithaich  each 
a  cheile,  agus  a  chionn  gur  h-aithne  dhuit 
barrachd  's  is  aithne  dhomh-sa  mu'n  Bhiob- 
ull.  Ach  air  a  shon  sin  cha  ruig  thu  a 
leas  oilbheum  a  ghabhail  ma  their  mi  riut 
nach  e  mhain  nach  'eil  fhios  aig  an  t-sluagh 
an  diugh  ciod  a  tha  an  eaglais  a'  teagasg 
ach  nach  eil  fhios  aice  fein.  Uaireigin 
de'n  t-saoghal  bha  an  aon  teagasg  laidii* 
aig  ministearan  na  h-Alba  uile,  is  bha  e 
air  a  chur  an  altaibh  a  cheile  cho  finealta 
agus  cho  cothromach  's  nach  b'  urrainn 
daoine  gun  an  soisgeul,  no  innleachd  na 
saorsa,  a  thuigsinn — thuit  an  cinne-daonna 
an  uair  a  dh'ith  Adhamh  am  meas  toir- 
misgte  ;  bha  iad  uile  fo  mhallachd  Dhe  agus 
toillteanach  air  ifreann  ;  bha  iad  gun 
chomas  air  iad  fein  a  shaoradh,  ach  ann  an 
lanachd  na  h-aimsir  dh'ullaich  an  t-Athair 
siorruidh  Slanuighear  dhaibh,  a  Mhac  gra- 
dhach  fein  a  bha  air  iobradh  air  Calbhari 
chum  eiric  a  thairgsinn  do  Dhia  agus  peac- 
aich  a  shaoradh  o  chorruich  Dhe  agus  o 
phiantan  ifrinn.  Bhitheadh  na  seann  mhinis- 
tearan a'  labhairt  ruinn,  mar  dhaoine  aig 
an  robh  fios  cinnteach,  mu  thaghadh  agus 
mo  riiintean  Dhe,  mu'n  ghloir  a  tha  feith- 
eamh  air  na  naoimh  ann  an  neamh  agus 
mu'n  truaighe  shiorruidh  a  tha  feitheamh 
orra-san  a  bhasaicheas  gun  gabhail  ri  tairgse 
an  t-soisgeil.  Ach  cia  meud  eaglais  anns 
an  cluinnear  an  teagasg  sin  an  diugh  ? 
Mar  is  trice  cha  chluinn  mi  anns  na  h- 
eaglaisean  an  diugh  ach  an  seorsa  seanchais 
a  dh'  fhaodainn  fhein  a  thoirt  do  chloinn 
ann  an  sgoil  Shabaid,  naidheachdan  beaga, 
is  comhairlean  saoghalta,  is  earailean  leana- 


ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE— AIG  AN  UINNEIG 


bail,  ag  iarraidh  air  daoine  a  bhi  coibhneil 
ri  each  a  cheile,  agus  obair  na  h-eaglais  a 
chuideachadh  ;  ma  ni  iad  sin  bithidh  iad 
sabhailte  gu  leoir  air  a'  cheann  mu  dheireadh. 
Theagamh  gu  bheil  so  air  a  chur  ro  laidir, 
agus  gu'n  abradh  do  bhraithrean  nach  'eil 
mi  a'  labhairt  gu  cothromach,  ach  ged  a 
dh'  fhaodas  e  bhith  nach  'eil  an  fhmnn  uile 
ann,  tha  tomhas  maith  dhi  ann,  agus  ge  b'e 
aite  am  bi  daoine  cruinn,  ma  bheirear 
tarruing  air  an  eaglais  no  air  ministearan, 
cluinnidh  mi  iad  uile  a'  gearan  nach  'eil 
an  eaglais  an  diugh  a  toirt  dhaibh  teagaisg 
a  riaraicheas  an  inntinn  no  bheathaicheas 
an  anam." 

Freumh  de'n  fhirinn 

Cha  rachainn-sa  leis  fad  na  slighe  anns  na 
thubhairt  e,  ach  air  a  shon  sin,  bha  freumh 
de'n  fhirinn  aige.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil 
an  saoghal  uile  ann  an  ceo  an  diugh,  cho  maith 
ris  na  ministearan,  agus  gun  fhios  aig  daoine 
ciamar  a  chordas  an  solus  ur  agus  an  t-eolas 
tir  a  tha  bruchdadh  orra  o  gach  taobh  ris  na 
seana  bheachdan  a  bha  aca  mu  Dhia  agus 
mu'n  Chruthachadh.  Tha  an  seann  saoghal 
a'  dol  as  an  t-sealladh  agus  saoghal  iir  'g  a 
bhreith,  saoghal  anns  a  bheil  criochan  an  eolais 
air  an  atharrachadh  a  h-uile  bliadhna.  Tha 
am  fion  iir  air  na  seann  searragan  a  bhriseadh, 
ach  ged  a  dh'  fhaodas  daoine  a  bhi  an  iom- 
chomhairle  a  thaobh  sud  agus  so  ann  an 
rioghachd  na  Firinn  sgaoilidh  an  ceo  fhathast, 
agus  chi  iad  na  reultan  agus  na  comharraidhean 
eile  leis  an  gtiiiir  iad  an  ciirsa. 

Ma  tha  searmonaiche  air  bith  an  diiil  gu'n 
teid  aige  air  leantuinn  air  an  diugh,  a'  labhairt 
ris  a'  ghineil  oig  ann  an  cainnt  an  t-seann 
t-saoghail,    tha    e    'g   a   mhealladh   fein.     Ma 


thoisicheas  e  air  labhairt  riu  mu  thuiteam 
an  duine  ann  an  Adhamh  their  iad  ris  nach  'eil 
dad  dheth  sin  a  dhith  orra,  gu  bheil  fhios  aca 
gu  maith  cheana  gu  bheil  am  peacadh  diith- 
chasach  dhaibh,  agus  gu'm  faodar  an  gnothuch 
fhagail  mar  sin,  is  iarraidh  iad  air  innseadh 
dhaibh  ciod  a  dh'  iarradh  Criosd  orra  a  dhean- 
amh  anns  na  laithean  so  ;  ciod  e  inntinn  Chriosd 
a  thaobh  eaglaisean  a  tha  a'  cosd  moran 
airgid  'g  an  cumail  suas  ;  a  thaobh  an  rait- 
eachais  agus  na  h-aimhreit  a  tha  am  measg 
rioghachdan  ;  a  thaobh  thighean-cluich  agus 
thighean-dhealbh  ;  a  thaobh  na  geallanachd 
a  tha  dol  air  aghaidh  aig  reiseadh-each,  is 
reiseadh-chon,  is  ball-chluicheachd  ;  a  thaobh 
nan  cleachdanna-marsantachd  a  bhitheas  a' 
toirt  oilbheum  d'  an  coguis  ;  a  thaobh  posaidh 
agus  na  doighean  anns  a  bheil  parantan  a' 
seachnadh  clann  a  bhi  aca;  a  thaobh  sheotachan 
am  measg  an  t-sluaigh,  ciod  a  nithear  riu  ; 
a  thaobh  fichead  ceist  eile  air  am  bu  mhaith 
leo  solus  a  bhi  aca  a  threorachadh  an  ceuman. 
An  iarradh  Criosd  oirnn  maoin  na  rioghachd 
so  a  roinn  air  treubhan  bochda  an  t-saoghail  a 
chionn  gur  e  clann  an  aon  Athar  a  tha  annta- 
san  agus  annainne  ?  An  tugadh  e  oilbheum 
dha  na'm  bacadh  tu  d'  ad  nighinn  duine  dubh 
a  phosadh  ?  An  toirmisgeadh  e  dhuinn  ar 
margaidhean  a  dhiinadh  do  rioghachdan  eile  le 
tariffs.  Ciod  a  theireadh  e  ri  posadh  eadar 
Prostanach  agus  Papanach  ?  Sin  an  seorsa 
cheistean  a  tha  a'  laighe  air  inntinnean  agus 
air  coguisean  dhaoine  an  diugh,  is  tha  e  na's 
feumaile  dhaibh  greim  fhaotainn  air  lagh 
Criosdail  a  dh'  fhuasglas  na  ceistean  sin  na 
bhi  a'  cluinntinn  chomhairlean  maithe,  Sabaid 
an  deidh  Sabaid,  ag  iarraidh  orra  a  bhi  'n  an 
cloinn  mhaith,  agus  obair  na  h-eaglais  a  chuid- 
eachadh. 


Aig  an  Uinneig 


Ordugh  an  t-Seanaidh 

ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  rinn  feai*- 
a'-chl6dh  orm  mar  a  bhitheas  tu  fein,  a 
leughadair,  a'  deanamh  gu  trie  air  an  fheadh- 
ainn  a  bhitheas  a'  bruidhinn  air  an  Radio  ; 
ehuir  e  stad  orm  m'  an  do  ehriochnaieh  mi 
mo  sheanehas.  Bha  mi  ag  innseadh  mu 
mhinistear  nach  robh  idir  a'  creidsinn  ann  a 
bhi  a'  cur  dhaoine  fo  bhoidean  uisge-beatha 
a  thur-sheaehnadh,  ged  bha  e  fein  anabarrach 
stuama.  An  uair  a  thigeadh  an  t-Sabaid  anns 
an  robh  e  air  iarraidh  air  ministearan  leis  an 
Ard-Sheanadh  searmon  a  liubhairt  air  a' 
chuspair  so,  thoischeadh  e  air  an  t-seirbhis  leis 
an  t-salm  so, 

Bheir  e  air  feur  bhi  fas  do'n  spreidh, 

'S  air  luibh  bhi  fas  gun  sgios 
Do  dhaoine,  chum  gu'n  tugadh  iad 

O'n  talamh  biadh  a  nios. 


Is  fion  a  chuireas  cridhe  dhaoin' 

Air  shubhachas  's  air  ghean, 
Is  oladh  fos  a  ni  an  gniiis 

Le  maise  dealrach  glan. 

Leughadh  e,  gun  facal  a  radh  uime,  mar 
rinn  Criosd  fion  de'n  uisge  ann  an  Cana  Ghalile, 
agus  an  sin  bheireadh  e  dhaibh  searmon  ag 
earalachadh  orra  trbcairean  Dhe  uisneachadh 
gu  measarra  agus  le  taingealaehd.  Chan 
abrainn  gu  robh  an  duine  ud  na  mhae  umhail 
d'a  mhathair,  ged  thug  e  geill  gu  litireil 
do  aithne  an  t-Seanaidh. 

Ann  an  laithean  fheola  tha  e  coltach  nach 
robh  Criosd  a'  tur-sheachnadh  fiona  ;  na'n 
robh  shaoileadh  tu  nach  cuireadh  iad  as  a 
leth  gu  robh  e  'n  a  phoitear  fiona.  Ach  chan 
'eil  sin  a'  ciallaehadh  nach  bitheadh  e  an  diugh, 
na'n  robh  e  anns  an  t-saoghal,  air  taobh 
muinntir    an    tur-sheachnaidh.     Chan    urrainn 


6 


AIG  AN  UINNEIG — MARBHRANN 


dhuinn  a  bhi  cinnteach,  ach  na'n  robh  Criosd 
an  diugh  an  Glaschu  far  am  faiceadh  e  obair 
mhallaichte  na  dibhe  mai*  nach  fhacas  riamh 
ann  an  Galile,  tha  mi  an  duil  gu'n  aicheadh  e  e 
fein  anns  a'  cheum  so  mar  rinn  e  ann  an  cuisean 
eile.  Co  dhiu  tha  an  t-abstol  Pol,  a  thuig 
inntinn  Chriosd  mar  nach  do  thuig  moran  i, 
ag  radh,  "  Tha  na  h-uile  nithean  ceadaichte 
dhomh  ach  chan  'eil  na  h-uile  nithean  iom- 
chuidh  .  .  .  uime  sin  co  aca  a  dh'  itheas  no 
dh'  olas  sibh,  deanaibh  na  h-uile  nithean  chum 
gloire  Dhe  ...  is  maith  an  ni  gun  fheoil  itheadh, 
no  fion  61,  no  ni  air  bith  a  dheanamh  leis  am 
faigh  do  bhrathair  tuisleadh  no  oilbheum,  no 
leis  an  deanar  lag  e." 

'  Coir '  agus  '  Coraichean ' 

Sin  agad  da  fhacal  a  tha  a'  cur  dhaoine  gle 
thric  air  seachran  an  uair  a  thoisicheas  iad  air 
an  uisneachadh  ann  an  argumaid,  gu  son- 
ruichte  ma  tha  iad  air  son  rud-eigin  fhaotainn 
air  chosdus  dhaoine  eile.  Their  iad  gu  bheil 
coir  aig  a  h-uile  duine  a  tha  tighinn  a  steach 
do'n  t-saoghal  obair  fhaotainn  ;  no  gu  bheil 
coir  aige  a  bheo-shlaint  fhaotainn,  no  gu  bheil 
coir  aig  a  h-uile  paisde  a  tha  air  a  bhreith  anns 
an  rioghachd  sgoil  mhaith  fhaotainn.  Gun 
teagamh  is  e  dleasdanas  pharantan  sgoil  mhaith 
a  thoirt  d'  an  cloinn,  agus  an  cur  air  cheann  na 
slighe    a    thaobh    am    beo-shlaint,    agus    mur 


h-urrainn  iad  sin  a  dheanamh,  tha  iochd  agus 
gradh  ag  iarraidh  air  daoine  eile  an  fheadh- 
ainn  a  tha  lag  agus  uireasbhuidheach  a 
chuideachadh,  ged  nach  'eil  coir  air  bith  aca 
air.  Chan  'eil  coir  aig  duine  ach  air  an  rud 
a  bhuineas  dha,  agus  a  tha  aige  cheana  ; 
tha  coir  aige  nach  toirear  sin  bhuaith  le  daoine 
eile.  Chan  'eil  coir  aig  duine  air  sgoil  no  beo- 
shlaint  fhaotainn  o'n  duthaich  na's  mo  na 
tha  coir  agam-sa  air  gramaphon,  no  Radio, 
no  carbad,  fhaotainn  bhuait-sa,  a  leughadair. 
Ach  chan  'eil  e  furasda  so  a  chur  ann  an  cinn 
na  feadhnach  a  bhitheas  ag  eigheach  aig 
oiseanan  nan  sraidean  gu  bheil  an  coraichean 
air  an  cumail  o'n  duine  bhochd  agus  o'n 
chloinn.  Co  tha  'g  an  cumail  bhuapa  ?  Na'n 
toimhseadh  iad  am  briathran  gu  ceart  is  e  a 
tha  iad  a'  ciallachadh  gu'm  bu  mhaith  leo  cor 
an  duine  bhochd  agus  cor  na  cloinne  a  bhi  na's 
fhearr  na  tha  iad,  rud  ris  an  cuir  na  h-uile 
dhaoine  caomhail  an  aonta,  ged  nach  aidich 
iad  gu  bheil  coir  aig  neach  air  bith  ach  air 
na  tha  aige  cheana. 

Gle  bhitheanta  cluinnear  daoine  ag  radh 
gu  bheil  coir  againn  air  an  fhearann  a  chionn 
gu'n  do  rugadh  sinn  air  ?  Na'n  do  thachair 
gu  robh  thu  air  do  bhreith  air  an  Dunara  an 
abradh  tu  gu  robh  coir  agad  air  an  Dunara. 
Chan  'eil  e  ceart  idir  a  bhi  bruidhinn  air 
"  dleasdanas  pharantan  "  mar  "  choir  na 
cloinne." 


Marbhrann 


Do  RuAiRiDH  Smith,  a  bha  'na  eildear  an  Eaglais  na  h-Alba,  an  Tairbeart  na  Hearadh 
Le  Domhnull  Iain  Mac  Dhuth-Sith,  Sollas,  Uidhist;a-Tuath 

SE  mhuinntir  ghlic  am  measg  an  t-sluaigh  Is  iomadh  uasal  's  duine  coir 

A  bhios  an  comhnuidh  furachail,  Dha  'n  tug  e  aoigheachd  eireachdail 

'S  a  bheir  fainear  an  aithn'  o  shuas,  Is  iomadh  neach  air  ghainne  loin 

"  Biodh  sibhse  an  comhnuidh  ullaichte.  A  shuidh  m'a  bhord  ro-chuideachdail. 


Tha  teachdair'  Dhe  an  comhnuidh  luath 
A'  dol  mu  'n  cuairt  's  a  cuireadh  leis 
Aon  is  aon  gu  'n  dachaidh  bhuan 
Ma  's  tinn  no  slan  chan  fhuirich  iad. 

Ghairm  e  cuid  an  diugh  's  an  de, 
'S  am  maireach  gairmear  cuideigin  ; 
'S  ri  iiine  siiibhlaidh  sinn  gu  leir 
'S  bidh  dochas  beo  aig  cuid  affainn. 

Tha  aon  a  dh'  ionndrainear  an  drasd 
Gu  h-araidh  anns  na  Hearadh  sin 
'S  e  Ruairidh  Smith  an  duine  graidh 
Is  dh'  fhalbh  e  fein  's  cha  mhaireann  e. 

B'e  fein  an  t-uasal  dileas  coir, 
Le  cridhe  mor  d'a  choimhearsnaich  ; 
Chan  'eil  cus  's  a'  chearn  sin  beo 
A  thogas  oighreachd  urramach. 


'Nuair     shuidheadh     "  braithrean  "     leis     mu 

bhord 
Bu  bhriagha  bhi  's  a  chuideachd  ud 
Gach  neach  a'  taisbeanadh  a  ghraidh 
Do  'n  Ti  sin  a  tha  neo-fhaicsinneach. 

Bha  e  fein  a'  sior  thighinn  beo 
Air  "  slighe  nuadh  "  na  fallaineachd 
Is  b  'e  a  thlachd  's  a  mhiann  ro-mhor 
Bhi  'n  cuideachd  na  fhuair  beannachadh. 

Tha  e  nis  a'  seinn  an  Gloir, 
'S  na  deanadh  cairdean  mulad  ris 
Cha  ruig  beud  gu  siorr  'n  a  choir 
Is  clann  an  Tighearna  maille  ris. 

Chan  fhaca  stiil  's  cha  chuala  cluas, 
'S  cha  d'  smuainich  cridhe  duin'  againn 
Na  dh'  ullaich  Dia  fa  chomhair  sluaigh 
Thug  gradh  Dha  Fein  a  cheannaich  iad. 


MARBHRANN— POL  AGUS  TIMOTEUS 


Marbhrann 


Do'n   Ollamh  Domhnull   Mac  Fhionghain,  a    biia    'na   mhinistear  ann   an    sgireachd   an   t-Sratha    's 

AN    ElI.EAN    SgITHEANACH 

Le  Mghr  Mac  an  t-saoir,  a  bha  'na  Mhissionaraidh   ann  an  Sconcer 


THA   srath    Mhic    Fhionghain    an   diugh    fo 
bhron, 
Is  beag  an  t-ionghnadh  olr  's  mor  a  leon, 
A  cheannard  uasal  'na  laighe-luaine 
Ann  an  leabaidh  fhiiar  ann  an  Cille-Chro. 

Tha  'n  Dotair  Domhnull  an  diugh  fo  'n  fhod, 
Fiiiran  luachmhor  a  chridhe  choir, 
Measail,  stuama,  is  ceannalt,  suairce 
'S  gur  bochd  r'a  luaidh  mar  a  thainig  oirnn'. 

Tha  do  bhantrach  an  diugh  gu  truagh 
Bho  'n  chaidh  a  companach  a  sgaradh    uaith' 
Ach  chuir  i  'dochas  an  Righ  na  Gloire 
Gu'm  meal  sibh  comhla  a  mhorachd  shuas. 

Tha  do  chairdean  an  diugh  fo  sprochd, 
Do  chinneadh  laidir  's  an  lamh  ri  'n  uchd, 


A'  caoidh  an  armuinn  a  sgar  am  bas  uath', 
Bhliadha'-ur  a  chraidh  iad  le  lot  ro  ghoirt. 

Tha  Eaglais  Alba  a'  caoidh  gu  geur 
Gun  d'  chaill  i  stiiibhard  bha  dhith  ro  threun, 
A  thalant  diibailt,  cha  d'  rinn  e  mhuchadh, 
Ach  shil  mar  dhriichd  air  a'  mhaduinn  Cheit. 

Bha  thu  'na  d'  shaighdear  an  armachd  Dhe 
An  soisgeul  siorruidh  'ga  chur  an  ceill 
Do  dh'  anamaibh  briiite  le  peacadh  ciuirte 
'Toirt  solus-iiiil  dhaibh  le  mais'  is  sgeimh. 

Cha  cheadaich  Cuimhne  dhomh  do  bhriathran 

tlath. 
Chur  sios  's  na  roinn  so  an  doigh  mar  b'  aill ; 
Tha  bochdan  's  dilleachdain  feadh  do  sgireachd 
Bhios  'ffa  'n  innseadh  fad  iomadh  la. 


P61  agus  Timoteus 


B'E  an  litir  mu  dheireadh  a  sgriobh  Pol  an 
dara  litir  a  sgriobh  e  gu  Timoteus,  "  mo 
mhac  gradhach."  Tha  e  furasda  gu  leoir 
fhaicinn  gu  robh  fhios  aige  nach  biodh  a 
laithean  fada,  agus  gu'm  faodadh  a'  chrioch 
tighinn  uair  air  bith,  oir  bha  e  a'  feitheamh  ri 
binn  a  bhais  anns  a'  phriosan  anns  an  Roimh. 
Cha  robh  duine  maille  ris,  ach  a  mhain  Lucas 
caomh,  oir  threig  a  chompanaich  uile  e.  Threig 
Demas  e,  air  dha  an  saoghal  a  tha  lathair 
a  ghradhachadh  ;  chaidh  Crescens  do  Ghalatia, 
Titus  do  Dhalmatia,  agus  bha  Trophimus  tinn 
ann  am  Miletus.  Sin  an  t-aobhar  gu'n  d'  iarr 
Pol  air  Timoteus  cabhag  a  dheanamh  agus 
tighinn  thuige  ;  bu  mhaith  leis  duine  earbsach 
agus  caraid  dliith  a  bhi  maille  ris  an  am  f  heuma. 
A  dh'  aindeoin  gu  robh  Pol  moran  na  bu 
shine  na  Timoteus  bha  cairdeas  is  companas 
eatorra  nach  robh  eadar  Pol  agus  gin  eile 
d'a  chomh-sheirbhisich.  Chan  'eil  e  furasd 
a  radh  ciod  a  tharruing  r'a  cheile  iad  ;  chan 
'eil  e  furasd  a  radh  ciod  a  tha  a'  tarruing 
dhaoine  r'a  cheile  uair  air  bith,  oir  tha  gaoth 
a'  chairdeis,  mar  ghaoth  an  adhair,  a'  seideadh 
far  an  aill  leatha.  Bha  aon  bhann  shcfnruichte 
'g  an  ceangal  r'a  cheile  ;  b'  ann  fo  shear- 
monachadh  Phoil  a  bha  Timoteus  air  iom- 
pachadh.  Sin  is  ciall  do  'n  fhacal  a  gheibhear 
uime  ann  an  litrichean  Phoil,  "  mo  mhac 
gradhach." 


Mac  gradhach 

Bha  Timoteus,  an  da  chuid,  'na  mhac  gradh- 
ach agus  'na  mhac  dleasdanach  do  Phol,  agus 
cho  luath  's  a  fhuair  e  am  fios  a  chuir  Pol 
thuige  chaidh  e  do'n  Roimh  'ga  fhaicinn. 
Chan  urrainnear  a  nis  a  radh  co  dhiu  a  rainig 
e  m'  an  d'  thainig  a'  chrioch  air  Pol,  ach  mur 
do  rainig  faodar  a  bhi  cinnteach  gu'n  do 
ghabh  Dia  an  toil  mar  an  gniomh,  agus  gu'n 
do  chuir  e  sios  a  thurus  o  Ephesus  gus  an 
Roimh  ann  an  leabhar  na  cuimhne.  Faodaidh 
e  bhith  gu  robh  Timoteus  e  fein  air  a  chur  an 
sas  air  a  thurus,  air  son  facal  Dhe  agus  fianuis 
losa  Criosd,  oir  tha  e  air  a  radh  anns  an  litir  a 
chum  nan  Eabhruidheach  (xiii,  23),  "  bitheadh 
fhios  agaibh  gu'n  do  chuireadh  ar  brathair 
Timoteus  fa  sgaoil." 

Tha  dithis  de  na  laoidhean  as  maisiche 
ann  an  leabhar  nan  salm  air  an  steidheachadh 
air  briathran  is  fiosrachadh  Phoil  ri  uchd  bais, 
liv,  Iv. 

Chriochnaich  mi  nis  mo  chath  's  mo  reis  ; 
Is  dliith  dhomh  eug  is  uaigh  ; 
M'  anam  a  choisrig  mi  do  Dhia, 
Triallaidh  gu  neamh  le  buaidh. 

Cha  do  chuir  am  bas  fiamh  no  eagal  air  Pol, 
oir  bha  fhios  aige  co  ann  a  chreid  e,  agus  bha 
geall  aige  air  a  bhi  maille  ri  Criosd.  Uair- 
eigin    'n   bheatha   bha   diiil   aige   gu'm   biodh 


8 


POL  AGUS  TIMOTEUS 


e  beo  aig  teachd  an  Tighearna,  agus  gu'm 
biodh  e  air  a  ghlacadh  suas  anns  na  neoil, 
an  comhdhail  an  Tighearna  anns  an  adhar. 
Ach  a  nis  bha  e  a'  faicinn  gur  h-ann  air  slighe 
eile  a  rachadh  e  a  steach  do  lathaireachd 
an  Tighearna,  an  t-slighe  air  an  d'  imich 
Stephen  agus  Seumas,  agus  creidmhich  eile 
a  dh'  fhuiling  am  bas  air  sgath  an  creidinih. 
A  reir  beul-aithris  na  h-eaglais  bha  ceann 
Phoil  air  a  ghearradh  dheth  le  tuaigh  anns  a' 
bhliadhna  67. 

Gairdeachas  air  neamh 

Ma  tha  e  fior  gu  bheil  gairdeachas  air 
neamh  an  uair  a  ni  aon  pheacach  aithreachas 
saoilidh  mi  gu  bheil  gairdeachas  air  neamh 
cuideachd  an  uair  a  theid  leithid  Phoil  a 
steach  ann.  "  ladsan  a  thionndaidheas  moran 
gu  fireantachd  dealraichidh  iad  mar  na  reultan 
fad  saoghail  nan  saoghal."  Thubhairt  Pol 
iomadh  rud  mu  oighreachd  nan  naomh  a  rinn 
neamh  ion-mhiannaichte  do  chridheachan  dha- 
oine  eile,  agus  b'  ion  eadhon  do  na  h-ard 
ainglean  an  criiin  a  thilgeadh  aig  a  chasan.  Ach 
ciod  a  theirear  mu  na  miltean  a  thionndaidh  e 
o  dhorchadas  gu  solus,  agus  o  chumhachd 
Shatain  gu  Dia  ?  Nach  deanadh  iadsan  iolach 
aig  a  theachd  ! 

Am  measg  nan  daoine  a  tha  tachairt  oirnn 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  is  e  an  dithis  is 
docha  leam,  Timoteus  agus  Lucas,  agus  is  e 
an  t-aobhar  (co  dhiu  ann  an  tomhas)  gu  robh 
iad  le  cheile  cho  dileas  do  Phol.  Leig  Lucas 
seachad  obair  na  dotaireachd  los  an  aire  a 
thoirt  do  Phol,  agus  ciod  an  t-seirbhis  eile  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  e  a  dheanamh  ann  an 
rioghachd  Dhe  ?  Tha  amharus  agam  nach 
seasadh  bodhig  an  abstoil  ris  an  obair  a  bha  e 
a'  deanamh  mur  biodh  Lucas  aig  uilinn.  'N  a 
dhoigh  fhein  bha  Timoteus  a  cheart  cho 
feumail  do  Phoil  ;  ann  an  deireadh  a  laithean 
gu  sonruichte  bhiodh  e  a'  cur  a  chomhairle  ris 
na  bu  bhitheanta  na  ri  gin  eile  de  shoisgeul- 
aichean  na  h-eaglais. 

Duine  sgoinneil 

Tha  cuid  de  dhaoine  am  beachd  nach  robh 
ann  an  Timoteus  ach  duine  gun  mhoran  ann  ; 
duine  laghach  gun  sgoinn.  Ach  chan  'eil 
sin  fior.  Cha  bhiodh  Pol  cho  gaolach  no  cho 
measail  air  mur  biodh  tiir  is  sgoinn  ann  ; 
mur  biodh  deagh  earbsa  aige  'n  a  ghliocas 
cha  chuireadh  e  Timoteus  air  feadh  nan 
eaglaisean  mar  a  rinn  e,  a  reiteachadh  chiiisean 
a  bha  cearr.  Cha  mho  a  dh'  iarradh  e  air  a 
bhi  'n  a  sheorsa  de  easbuig  anns  an  eaglais 
ann  an  Ephesus,  dreuchd  a  chuireadh  dearbh- 
adh  air  gliocas  is  faidhidinn  Ghabriel,  oir 
bha  muinntir  Ephesuis  cho  duilich  an  riagh- 
ladh  ris  na  h-Eirionnaich  fhein.  Eadar 
dream  araidh  aig  an  robh  barrachd  iiigh  ann 


an  sloinnteireachd  agus  ann  am  faoineas  eile 
na  bha  aca  ann  am  foghlum  diadhaidh,  agus 
daoine  eile  leis  am  bu  mhaith  a  bhi  'n  an 
luchd-teagaisg  ged  nach  robh  fhios  aca  ciod 
a  bha  iad  ag  radh  ;  eadar  iad  sin  agus  mnathan 
gun  naire  is  luchd-dreuchd  gun  ghras  a  bha 
milleadh  sith  na  h-eaglais,  bha  a  leoir  ri  dhea- 
namh aig  duine  air  bith  a  bhiodh  air  a  shuidhea- 
chadh  mar  fhear-riaghlaidh  innte.  Cha  robh 
teagamh  air  bith  aig  Pol  nach  robh  Timoteus 
comasachadh  air  breith  chothromach  a  thoirt 
seachad  ann  an  cuis  air  bith  a  thigeadh  air  a 
bheulaibh,  agus  dealachadh  a  chur  eadar  an 
cruithneachd  agus  am  moll,  ach  bha  amharus 
aige  gu  robh  e  rud  beag  bog-chridheach  agus 
nach  biodh  e  cho  teann  no  cho  cruaidh  air  na 
h-eucoraich  's  a  bu  choir  dha.  Sin  an  t-aobhar 
gu'n  d'  thug  e  na  h-earailean  air  a  gheibhear 
anns  a'  cheud  litir  a  sgriobh  e  thuige,  "  Na 
deanadh  duine  air  bith  tair  air  t'  oige  ;  thoir 
t'  aire  do  leughadh,  do  earalachadh,  do  thea- 
gasg  ;  na  dean  dearmad  air  an  tiodhlac  a  tha 
annad." 

Smachdail  air  fein 

Cha  robh  Timoteus  gun  fhailing  na's  mo  na 
daoine  eile,  ach  ma  bha  e  diiiid  is  meata, 
furasd  a  lubadh  a  null  agus  a  nail  le  daoine 
laidir  dalma,  bha  a  choguis  maoth  agus  a 
chridhe  blath,  agus  bha  e  'n  a  uile  chaith- 
eamh-beatha  'n  a  eisempleir  do  na  creidmhich 
ann  an  Ephesus.  Mur  robh  e  cruaidh  no 
teann  air  daoine  eile  bha  e  teann  air  fein, 
a'  cumail  a  chuirp  fo  leithid  de  smachd  's 
gu'n  do  mhill  e  a  shlainte.  Sin  an  t-aobhar 
ffu'n  d'  iarr  Pol  air,  "  Na  h-61  uisere  na's  fhaide, 
ach  gabh  deur  beag  fiona  air  son  do  stamaig, 
agus  air  son  na  laigse  a  tha  tighinn  ort  cho  trie." 

A  thaobh  suaimhneis  agus  comhfhurtachd  an 
t-saoghail  so  bha  beatha  Phoil  air  uairean  gle 
chruaidh  is  lom.  Anns  an  dara  litir  a  sgriobh 
e  chum  nan  Corintianach  tha  e  ag  innseadh 
mu  shaothair  a  chuirp  agus  amhghar  anama 
ann  an  seirbhis  na  h-eaglais.  "  O  na  h- 
ludhaich  fhuair  mi  coig  uairean  da  fhichead 
buille  ach  a  h-aon  ;  ghabhadh  orm  le  slatan 
tri  uairean  ;  chlachadh  mi  aon  uair  ;  dh' 
fhuiling  mi  long-bhriseadh  tri  uairean  ;  la 
agus  oidhche  bha  mi  anns  an  doimhne  ;  ann  an 
turusan  gu  minic,  ann  an  cunnartan  aibhni- 
chean,  ann  an  cunnartan  luchd-reubainn,  ann 
an  cunnartan  o  mo  luchd-duthcha,  ann  an 
cunnartan  o  na  Cinnich  ;  ann  an  saothair  agus 
an  sgios,  ann  am  faire  gu  minic,  ann  an  acras 
agus  ann  an  tart,  ann  am  fuachd  agus  an  lom- 
nochdas." 

Cairdean  dileas 

Ciod  a  bha  cumail  suas  cridhe  is  misneach 
an    abstoil    an    uair    a    bha   na   stuadhan    sin 
a'  dol  thaii-is  air  ?     Bha,  an  da  ni  so — 
{Re  leantu'inn) 


Aireamh  2 


938 


Gaisgealachd 


An  oklhehe  nochd  ulteas  laimh  rium-sa  a'mgeal  an  De  nin,  d^am  buin  mi  agus  d'a  bheil  mi  a'  deanamh  seirbhis, 
ag  radh,  A  Plibil,  na  bitlieadh  eagal  ort ;  .  .  .feuch  thiodhlaic  Dia  dhuit  iadsan  uile  a  tha  a"  sebladh  maille 
riut." — Gniomharan  xxvii.  23-24. 


BHA  Pol  iomadh  uair  ann  an  ciiil  chumhainn, 
ach  cha  robh  e  rianih  ann  an  ciiil  a  bu 
chuimhne  na'n  cunnart  anns  an  robh  e  air  an 
luing  a  bha  air  a  fuadach  agus  a  chaidh  air  tir 
air  a  turus  do'n  Roimh.  Ach  dearbhaidh 
cunnart  daoine  ;  leigidh  e  f  haicinn  co  dhiiibh  a 
tha  annta  treun-fhir  no  boganaieh,  agus  anns 
an  naidheachd  so  tha  Pol  a'seasamh  a  mach 
am  measg  chaich  mar  dhuine  aig  an  robh 
inntinn  agus  creideamh  nach  gabhadh  m.eatach- 
adh. 

Mar  is  sine  tha  mi  a'  fas  is  ann  as  motha  mo 
mheas  air  daoine  gaisgeil  agus  air  euchdan 
gaisgeil,  oir  tha  ni-eigin  neo-bhasmhor  ann  an 
gniomh  gaisgeil.  Tha  an  t-eagal  gabhaltach  ; 
sin  an  t-aobhar  gu'm  bi  a  h-uile  duine  a'  cur  sios 
air  gealtairean  ;  tha  eagal  orra  romhpa.  Ach 
tha  misneach  gabhaltach  cuideachd  ;  b'e 
misneach  Phoil  an  oidhche  ud  a  thearuinn  gach 
anam  a  bha  air  bord. 

Tha  an  naidheachd  so  a'  diisgadh  smuain  no 
dha  'n  am  inntinn  a  bu  mhaith  leam  a  chur  sios 
air  an  duilleig  so. 

(1)  Thig  gaisgealachd  am  follais  an  la  a' 
chruadail.  An  uair  a  chaidh  Pol  air  bord  do'n 
luing  cha  robh  ann  ach  priosanach,  is  cha 
tugadh  an  sgiobair  no  an  sgioba  uiread  agus 
siiil  air,  ach'nuair  a  chaidh  ctiisean  cearr  agus 
a  bha  an  cunnart  mor,  is  e  Pol  a  chuir 
misneach  agus  dochas  annta  uile,  gus  mu 
dheireadh  an  robh  iad  a'  leigeil  an  taice  ris  mar 
bha  Caiptean  Scott  agus  an  sgioba  a  bha 
comhla  ris  anns  an  Antarctic  a'  leigeil  an  taice 
air  an  duine  ghradhach,  agus  fear  a'  chridhe 
mhoir,  Eideard  Wilson.  Ciod  air  bith  cho  fuar 
no  cho  gabhaidh  's  a  dh'  fhaodadh  an  gaillionn 
a  bhith,  agus  am  bas  a'  bagairt  orra  gach  uair 
de'n  la,  bha  fhios  aca  nach  geilleadh  Wilson, 
agus  nach  tiontiaicheadh  a  chridhe  ;  gu'n 
leanadh  e  air  aghaidh  gun  ghearan,  gun 
chiiichran,  a'  giixlan  uallach  cuid-eigin  a  bu 
laige  na  e  fein,  agus  'g  am  misneachadh  le  facal 
ciiiin  is  caomh  an  drasd  's  a  ris.  '  Nach  bu 
mhaith  an  gnothuch  na'n  robh  barrachd  de'n 
inntinn  so  am  measg  Chriosduidhean.  Tha 
tuilleadh  is  gaisgealachd  air  iarraidh  oirnn  anns 
a'  bheatha  dhiadhaidh,  ach  air  a  shon  sin  tha 
eagal  an  Tighearna  na's  maisiche  ma  tha  e 
a'  pogadh  beul  ri  beul  ri  gaisgealachd  ;  ma 
chuidicheas  e  le  daoine  cumail  air  an  aghaidh 


gun  ghearan,  'nuair  tha  ciiisean  a'  dol  cearr, 
agus  feuchainn  ri  ciiisean  a  dheanamh  cho 
reidh  's  is  urrainn  dhaibh  do'n  fheadhainn  a  tha 
anns  an  aon  tigh  riu. 

(2)  AH  earbsa  ann  an  Dia  cridhe  duine  fois- 
neachail,  agus  gle  thric  bithidh  ar  smuaintean 
agus  ar  breithneachadh  cearr  mur  bheil  ar 
cridheachan  foisneachail  agus  gun  eagal.  B' 
aithne  do  na  seoladairean  an  fhairge  agus 
cunnartan  na  fairge  na  b'  fhearr  na  b'  aithne  do 
Phol,  ach  chuir  an  t-eagal  maoim  'n  an  eanch- 
ainn,  air  chor  agus  gu'n  do  chaill  iad  an 
tabhachd.  An  sin  ghabh  Pol  commannd  ;  le 
chiiiine  fein  chuir  e  ciall  air  an  sgioba  uile  oir 
tha  e  air  a  sgriobhadh,  "  an  sin  ghlac  iad  uile 
deagh  mhisneach."  A  bheil  cuimhne  agad,  a 
leughadair,  ciod  a  thachair  an  uair  a  bha  Pol 
agus  Silas  air  an  tilgeadh  do'n  phriosan  ?  "  Air 
a  mheadhon — oidhche  sheinn  iad  laoidhean — 
molaidh  do  Dkia."  An  aite  a  bhi  'g  an  gearan 
fein  agus  ag  osnaich,  bheannaich  iad  ainm  an 
Tighearna.  Sin  an  seorsa  inntinn  a  bheir 
buaidh  air  an  t-saoghal.  Tha  cridhe  an  as- 
creidmhich  mar  a'  mhuir  bhuairte  nach  'eil 
aon  mhionaid  aig  fois,  agus  do  bhrigh  nach 
'eil  e  aig  fois  chan  fhaic  e  iongantasan  an 
Tighearna. 

(3)  Faodaidh  sinn  moran  a  chall  ach  fhathast 
mor  an  a  bhi  air  fhdgail  againn  a  ni  ar  beatha  sona 
agus  saoibhir.  Chailleadh  an  long,  agus  bu  mhor 
an  call  e,  ach  cha  do  chaill  iad  am  beatha. 
"  Craicionn  air  son  craicinn,  eadhon  gach  ni  a 
tha  aig  duine,  bheir  e  air  son  a  bheatha." 
Faodaidh  duine  a  mhaoin  shaoghalta  a  chall  ann 
an  aon  oidhche  ;  faodaidh  ro-chiiram  a  bhi  air 
m'a  shlainte  no  m'a  obair  (no  rud  as  miosa  air 
fad  mu  chion-oibre) ;  faodaidh  e  cuid  d'a  theagh- 
lach  a  chall  ;  ach  eadhon  ged  thachradh  sin, 
na  saoileadh  e  gur  duine  truagh  e  agus  na 
toisicheadh  e  air  ciiichran  ;  fosgladh  e  a 
shuilean  agus  chi  e  fichead  tobar  gle  dhliith  dha 
as  am  faod  e  sonas  agus  aoibhneas  a  tharruing. 
A  dh'  aindeoin  gach  call  a  dh'  fhaodas  tighinn 
ort,  na  h-abair  gur  duine  bochd  no  truagh  thu , 
ma  tha  greim  agad  air  Dia  le  creideamh  beo  ; 
ma  tha  e  'na  f  haochadh  dhuit  a  bhi  ag  iirnuigh  ri 
Dia  agus  'ga  bheannachadh,  agus  ma  tha  sith 
agus  caomhalachd  agus  gaol  a'  feitheamh  ort 


GAISGEALACHD— ANNS  A'  CHATHAIR 


aig  taobh  do  theallaich  fein,  an  uair  a  chrioch- 
naicheas  tu  obair  an  la. 

(4)  Tha  aingeal  an  Tighearn  an  diugh  ag  radh 
ruinne  a'  cheart  rud  a  thuhhairt  e  ri  Pol,  Na 
hitheadh  eagal  ort.  Chan  'eil  galair  as  miosa  air 
an  t-saoghal  na  eagal,  ach  a  mhain  am  peacadh, 
ach  is  e  am  peacadh  as  aobhar  do  dha  thrian 
de'n  eagal  a  tha  a'  milleadh  suaimhneas  dhaoine. 
Bhitheadh  an  saoghal  so  'n  a  aite  sona  na'n 
robh  saorsa  aig  daoine  o'n  da  rud  sin,  peacadh 
agus  eagal,  da  rud  aig  a  bheil  an  aon  nihathair — 
aobhair,  nach  'eil  an  daimh  cheart  againn  ri  Dia 
agus  ri  each  a  cheile.  Agus  far  nach  'eil 
daimh  cheart,  an  sin  tha  amharus,  agus  eagal, 
agus  as-creideamh,  agus  peacadh.  Chan  urrainn 
duine  a  bhi  ann  an  daimh  cheart  ri  theaghlach, 
no  ri  choimhearsnaich,  no  ri  daoine  eile,  no  ann 
an  ceum  air  bith  d'a  bheatha,  mur  bheil  a 
chridhe  ceart  ri  Dia.  Saoilidh  a  fein  gu'm 
faod,  ach  tha  an  rud  eu-comasach.  Cha  mho 
a  gheibh  e  saorsa  o  eagal  gus  an  aidich  e  'na 
bheatha  facal  agus  iighdarras  Dhe,  agus  a' 
choir  a  tha  aig  Dia  air  a  sheirbhis,  no  gus  an 
creid  e  le  uile  inntinn  agus  anam  am  foillsea- 
chadh  a  rinn  Criosd  air  Dia  mar  Athair  naomh 
agus  gradhach  as  am  faod  e  earbsa  iomlan  a  chur 
air  son  maitheanas  peacaidh  agus  dochas 
siorruidh. 

Tha  daoine  air  am  pianadh  le  fichead  seorsa 
eagail ;  eagal  a'  bhais,  eagal  bochdainn,  eagal 
an  la  maireach,  eagal  gu'm  faighear  a  mach  am 
peacadh,  eagal  gu'n  caill  iad  an  obair,  eagal  nach 
toir  Dia  maitheanas  dhaibh.  Chan  'eil  feum 
air  bith  ann  dhuit  feuchainn  ris  na  h-eagail  sin 
a  chur  air  falbh  le  d'  reuson,  no  le  argumaid,  no 


le  cumhachd  do  thoile,  oir  cha  seas  iad  ri 
argumaid  no  ri  reusonachadh,  agus  a'  cheart 
mhionaid  a  tha  an  argumaid  uUamh  thig  iad  air 
an  ais.  Chan  'eil  ach  aon  doigh  air  an  cur  air 
falbh,  an  doigh  a  ghabh  an  Salmadair,  'Saji  la 
air  am  hi  eagal  orm  earbaidh  mi  asad-sa.  Ach 
chan  urrainn  dhuinn  an  gealladh  a  tha  anns  an 
f hacal  so  a  thagar  mur  bheil  sinn  'g  ar  cur  fein 
gu  buileach  ann  an  lamhan  Dhe,  gu  bhi  air  ar 
n-uisneachadh  leis  mar  chi  e  iomchuidh. 

Tha  na  dotairean  ag  radh  gu  bheil  neuras- 
thenia  anabarrach  cumanta  an  diugh.  Ach  ma 
tha,  chan  e  an  t-aobhar  gu  bheil  daoine  air  am 
biathadh  na's  miosa  na  bha  iad,  no  ag  oibrea- 
chadh  na's  goirte  na  bha  iad,  ach  a  chionn  gu 
bheil  an  cridheachan  gun  fhois  le  eagal.  Tha 
earbsa  ann  an  Dia,  agus  an  cridhe  foisneachail 
a  tha  leantuinn  na  h-earbsa  sin,  'na  leigheas  air 
neurasthenia  fada  na's  fhearr  na  cungaidh 
dotair 

Cridhe  dhaoine  'gan  treigsinn  le  eagal. — Lucas 
xxi.  26. 

Ghabh  iad  eagal  mor  a?i  uair  nach  robh  aobhar- 
eagail  ann. — Salm  liii.  5. 

Cia  a?i  duine  a  tha  gealtach  agus  lag-chridheach  ; 
pilleadh  e  d'a  thigh  chum  nach  dean  e  cridhe  a 
hhraithrean  lag. — Deut.  xx.  8. 

Bheir  e  aithne  d'a  ainglibh  mu  d'  thinichioll. — 
Salm  xci.  11. 

Thubhairt  an  t-aingeal  ris,  Na  bitheadh  eagal 
ort. — Gniomharan  xxvii.  23. 

Ann  an  ainm  ar  Dia-ne  togaidh  sinn  suas  ar 
bratach. — Salm  xx.  5. 


Anns  a'  Chathair 


GED  is  iomadh  duine  naomh  agus  duine 
peacach  air  an  do  rinn  mi  seanchas  air 
an  duilleig  so  cha  do  rinn  nai  riamh  seanchas 
air  Brighde,  Muire  nan  Gaidheal,  mar  their 
cuid  rithe,  ged  is  ann  oirre  a  tha  eaglais  Bhlair 
air  a  h-ainmeachadh.  Chan  aithne  dhomh 
car  son  ;  ach  tha  eaglais  eile  ann  am  Peairt 
air  ainmeachadh  oirre  cuideachd,  Lagan- 
Bhrighde,  an  Uachdar  Ghamhair. 

An  uair  a  thoisicheas  tu  air  eachdraidh  nan 
Naomh  a  rannsachadh  tha  thu  ann  an  saoghal 
eile  seach  an  saoghal  as  aithne  dhuinn  an 
diugh  ;  saoghal  anns  nach  robh  daoine  a' 
ciallachadh  leis  na  facail  firinn  agus  breug  an 
rud  a  tha  sinne  a'  ciallachadh  leo.  Anns  an 
t-saoghal  ud  b'e  an  fhior  chomharradh  a  bha 
aca  air  duine  maith,  gu'n  rachadh  aige  air 
miorbhuilean  a  dheanamh  ;  mur  rachadh  aige 
air  sin  a  dheanamh  cha  robh  e  airidh  air  a  bhi 
air  a  chunntas  am  measg  nan  Naomh.  Cha 
mho  a  bha  iad  a'  ciallachadh  leis  an  fhacal 


miorbhuil  an  rud  a  tha  sinne  a'  ciallachadh 
leis.  B'e  sin  an  t-aobhar  gu  robh  luchd- 
eachdraidh  na  h-Eireann  anns  na  seann  linn- 
tean  agus  pearsachan-eaglais  an  Albainn, 
mar  bha  Adhamhnan  a  sgriobh  mu  Chalum- 
cille,  ag  innseadh  uiread  rolaistean  mu  na 
Naoimh  's  a  gheibhear  'n  an  leabhraichean. 
Chan  'eil  na  rolaistean  sin  a'  ciallachadh  dad 
ach  so,  gu  robh  na  fir-eachdraidh  gu  laidir 
de'n  bheachd  gur  e  duine  mor  agus  duine 
maith  a  bha  anns  an  Naomh  m'  an  robh  iad 
ag  innseadh.  Theagamh  gur  e  leabhar  Adha- 
mhnain  an  leabhar-eachdraidh  as  ainmeile 
an  eachdraidh  na  Gaidhealtachd,  ach  chan  'eil 
ann  de  fhirinn  litireil  na  thogadh  bigean- 
baintighearn  'n  a  ghob.  Cha  robh  rud  eile  air 
aire  ach  innseadh  do'n  t-saoghal  ciod  an  duine 
mor-mor  agus  naomh-naomh  a  bha  an  Calum- 
cille.  Ach  a  dh'  aindeoin  nan  rolaistean  a 
dh'  innis  e  bha  Adhamhnan  'na  dhuine  cho 
firinneach  ri   Gilleasbuig   Main,   an   Oil-thigh 


ANNS  A^  CHATHAIR 


3 


Ghlaschu,  no  cho  firinneach  ris  na  "  daoine  " 
anns  an  Taobh  Tuath,  an  uair  a  thoisicheas 
iad  air  innseadh  mu  na  nithean  a  dh'  fhoillsich 
Dia  roimh  laimh  do  Lachlainn  Mac  Coinnich, 
an  Loch  Carrann.  Chan  'eil  na  naidheachdan 
sin  a'  dearbhadh  dad  ach  gu  robh  a'  ghineal 
fein  a'  cunntas  Mhghr  Lachlainn  'n  a  dhuine 
mor-moi'.  Duine  air  bith  a  tha  sgaoth  de 
naidheachdan  a'  cruinneachadh  m'a  ainm  'n  a 
bheatha  agus  an  deidh  a  bhais,  faodaidh  tu 
a  bhi  cinnteach  gu  robh  ni-eigin  anns  an  duine 
sin  a  bha  'g  a  dhealachadh  o  dhaoine  eile. 

Tha  so  mar  gu'm  bithinn  a'  gabhail  mo 
lethsgeil  roimh  laimh  air  son  nan  naidheachd- 
an a  tha  mi  dol  a  dh'  innseadh  mu  Bhrighde. 

Tha  tri  no  ceithir  deug  de  bhoirionnaich 
air  an  robh  an  t-ainm  so  air  an  ainmeachadh 
am  measg  nan  Naomh,  ach  cha  robh  ann  ach 
aon  Bhrighde  d'  an  robh  urram  air  a  thabhairt 
o  cheann  gu  ceann  a  dh'  Albainn  agus  a  dh' 
Eirinn,  Brighde,  a'  bhan-Aba  a  bha  'na  math- 
air -choimhid  am  mainistir  Chill  Dara,  an 
Eirinn. 

Rugadh  i  dliith  air  Dtm-dealg  mu'n  bhliadh- 
na  452.  Bho  laithean  a  leanabachd  bha 
gaol  aice  air  Criosd,  is  bha  blaths  is  ciiiine 
an  t-Slanuigheir  'n  a  h-aodann  mar  chaileig. 
An  uair  a  bha  i  ochd  bliadhna  deug  chuir  i 
roimhpe  gu'n  seachnadh  i  staid  a'  phosaidh, 
agus  gu'm  bitheadh  i  'n  a  maighdinn  do 
Chriosd  gu  brath.  Dh'  fhas  i  cho  ainmeil  air 
son  a  ghocais  agus  a  nao'mhachd  's  gu'n  dubh- 
airt  Brianan,  mairiche  nan  seachd  cuantan, 
gu  robh  smachd  aice  air  uil-bheistean  an 
aigein  fhein. 

Chuir  i  air  chois  mainistir  ann  an  Cill  Dara, 
air  fearann  a  bha  air  a  thoirt  dhi  leis  an  righ  ; 
chruinnich  i  gillean-frithealaidh  do  Chriosd 
a  steach  do'n  mhainistir,  no  do'n  chlachan 
bheag  ris  an  abradh  iad  mainistir,  is  thoisich 
i  air  freasdal  do  na  doill,  agus  do  na  bochdan, 
agus  do  dhaoine  air  an  robh  an  luibhre.  Bha 
fir  agus  mnathan  ann  am  mainistir  Chill  Dara, 
is  thagh  i  Easbuig  naomh  a  bhiodh  a'  riagh- 
ladh  na  mainistir  comhla  rithe. 

Uidh  ar  n-uidh  chaidh  a  cliti  am  farsuing- 
eachd  ;  bha  i  air  a  cunntas  am  measg  na 
triuir  a  b'  urramaiche  an  Eirinn,  Padraig  agus 
Calum-cille  agus  Brighde.  Ged  a  ghabhas  a 
h-ainm  lorgachadh  o  cheann  gu  ceann  a  dh' 
Albainn  tha  e  duilich  a  radh  co  dhiu  a  sheas 
a  cas  riamh  air  tiir  na  h-Alba  ach  'n  a  bruadair 
fhein  agus  am^bruadair  na  feadhnach  aig  an 
robh  gaol  oirre. 

Air  feadh  nan  Eileanan  gheibhear  moran 
naidheachdan  fhathast  mu  Bhrighde,  affus 
n  am  measg  sin  an  te  so.  "  Be  Diighall 
Donn,  a  bha  'n  a  osdair  am  Betlehem,  athair 
Brighde.  Aig  an  am  bhronach  air  a  bheil  mo 
naidheachd  bha  machraichean  Bhetlehem  air 
an  losgadh  le  tiormachd  na  bu  mhiosa  na  na 


machraichean  againn  fhein  anns  an  t-samhradh 
as  teotha  a  chunnacas  riamh  ;  bha  boinne 
biiirn  cho  priseil  ri  gini  oir.  Bha  uiread 
dhaoine  a'  tighinn  a  dh'  iarraidh  uisge  gu 
osd-thigh  Bhetlehem  's  gu'n  do  chuir  Diighall 
Donn  cleibh  air  seachd  asailean  agus  seachd 
camhail  a  dhol  do'n  Eiphit  a  thoirt  uisge  as 
na  tobraichean  a  rinn  Joseph  ann  am  bliadh- 
nachan  na  gorta.  Ach  m'an  d'  fhalbh  e 
thug  e  aithne  do  Bhrighde  gun  luchd-siubhail 
air  bith  a  leigeil  a  steach  gus  an  tilleadh  esan, 
is  dh'  fhag  e  aice  ann  am  pige  beag  na  dhean- 
adh  feum  dhi  fhein  a  dh'  uisge  fhad  's  a 
bhitheadh  e  air  falbh.  Ach  dh'  iarr  e  oirre 
gun  aon  deur  dheth  a  thoirt  do  neach  eile. 
'S  ann  mar  sin  a  bha,  ach  la  de  na  laithean 
thainig  seann  duine  eireachdail  a  dh'  ionnsuidh 
an  tigh-osda,  agus  e  sgith  le  thurus.  Bha 
boirionnach  og  comhla  ris,  a  thug  barr  ann  am 
maise  air  a  h-uile  boirionnach  eile  a  chunnaic 
Brighde  riamh.  Bha  ise  cuideachd  sgith  le 
a  turus,  agus  na  bu  mhiosa  na  sin,  no  na  b' 
fhearr,  bha  am  a  h-eiginn  dliith. 

An  uair  a  dh'  iarr  iad  biadh  is  deoch  is 
leabadh  bha  Brighde  an  iom-chomhairle  ; 
cha  bu  mhaith  leatha  a  bhi  eas-umhail  d'a 
h-athair,  ach  cha  mho  a  b'  urrainn  dhi  gun 
iochd  agus  coibhneas  a  nochdadh  do  choigrich 
sgith.  Mar  sin  thug  i  dhaibh  biadh,  agus 
deoch  as  a'  phige,  is  thubhairt  i  riu  gu'm  faod- 
adh  iad  an  oidhche  a  chur  seachad  anns  an 
stabuU.  An  deidh  dhaibh  falbh  chunnaic  i 
gu  robh  am  pige  cho  Ian  's  a  bha  e  riamh,  a 
dh'  aindeoin  na  dh'  ol  na  coigrich  as. 

An  oidhche  sin  fhein  thainig  Diighall  Donn 
air  ais,  agus  ochd  cleibh  dheug  Ian  aige  le 
soithichean  anns  an  robh  uisge.  Dh'  innis 
Brighde  dha  mu  na  coigrich  a  bha  anns  an 
stabull,  ach  anns  a'  bhruidhinn  sin  fhein, 
cluinnear  torman  mar  gu'm  biodh  tairneanach 
no  beum-sleibhe  air  chiil  an  tighe.  An  uair 
a  sheall  iad  a  mach  bha  an  t-uisge  trom  ann, 
a'  cheud  uisge  a  bheannaich  an  talamh  o 
chionn  coig  no  sia  mhiosachan,  is  thubhairt 
Brighde  ri  Diighall  Donn,  "  Co  aige  a  tha  fhios 
nach  tig  mac  mo  ghraidh  an  nochd,  oir  nach 
'eil  e  air  innseadh  gu'n  doirtear  uisge  air  an 
tartmhor  aig  a  theachd-san,  agus  sruthan  air 
an  fhearann  chruaidh  ! 

"  A  bheil  thu  a'  faicinn  an  t-soluis  a  tha  anns 
an  stabull  ?  "  arsa  Diighall  Donn. 

"  Tha,  athair,"  arsa  Brighde,  "  sin  agaibh 
solus  nan  ainglean."  An  uair  a  chaidh  iad 
a  steach  do'n  stabull  bha  Muire  agus  losa 
aice  air  a  gliiin,  is  Joseph  thall  air  an  ciilaibh. 
Ghlac  Brighde  an  leanabh  'n  a  h-uchd  is  bheann- 
aich i  Dia,  gu'm  faca  a  suilean  an  t-Ailleagan. 

Gheibhear  an  naidheachd  so,  an  aon  doigh 
no  an  doigh  eile,  air  a  h-innseadh  an  sud  agus 
an  so  anns  na  h-eileanan  fhathast.  Ged  tha 
an  luchd-eachdraidh  ag  radh  gur  ann  anns  a' 


ANNS  A^  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


choigeamh  linn  a  rugadh  i,  ciod  a  bu  mhotha 
le  sgeulaichean  Gaidhealach  ceithir  no  coig 
de  cheudan  bliadhna?  Ann  an  aois  a'  chruthach- 
aidh  no  ann  am  beatha  Creutair  Soillse  mar 
bha  Brighde,  tha  coig  cheud  bliadhna  'n  a  rud 
cho  beag  's  nach  'eil  fhios  agad  co  dhiu  a  tha 
ann  "  an  de  "  no  "  an  diugh." 

Is  e  la  Fheill  Brighde  a'  cheud  la  de'n 
Earrach,  agus  ged  nach  bitheadh  ann  ach  sin 
fhein,  theodhadh  ar  cridheachan  ri  h-ainm. 
Oir  ged  tha  mi  a'  cluinntinn  gu  robh  an  geamh- 
radh  ciiiin  aarus  blath  anns  na  h-eileanan  an 


lar  bha  geamhradh  fada  agus  geamhradh 
fuar  againn  air  na  monaidhean,  is  bithidh 
sin  toilichte  an  uair  a  thig  an  la  mu  dheireadh 
dheth,  agus  a  thig  Brighde  agus  a'  ghrian  air 
an  ais.  Is  e  gu  robh  mi  air  mo  thogail  ri 
taobh  na  mara  as  aobhar  dha,  ach  is  fhearr 
learn  fada  cian  guileag  a'  ghille-Brighde  na 
gug-giig  na  cuthaig.  Tha  an  gille-Brighde  a' 
ruighinn  na  h-aibhne  air  beulaibh  an  tighe 
agam  a  h-uile  bliadhna  mu'n  fhicheadamh 
la  de  Februari,  is  tha  tri  no  ceithir  dhiubh  a' 
neadachadh  air  a'  ffhliob. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AIG  coinneamh  bhliadhnail  a'  Chomuinn 
Ghaidhealaich  bha  bruidhinn  aca  air  an 
doigh  anns  an  coir  Gaidhlig  a  bhi  air  a  sgriobh- 
adh,  agus  air  cho  duilich  's  a  tha  e  do  dhaoine 
oga  fhios  a  bhi  aca  c'  aite  an  cuir  iad  "  cromag," 
no  c'  aite  am  fag  iad  a  mach  i,  a  chionn  gu 
bheil  a  dhoigh  fein  aig  a  h-uile  sgriobhadair. 
Bha  cuid  dhiubh  air  son  ard-Chomhairle  de 
sgoilearan  maith  a  chur  air  chois  gus  seoladh 
a  thoirt  dhuinn  ciamar  is  coir  Gaidhlig  a  bhi 
air  a  litreachadh.  Ma  thug  mi  an  aire  dha 
aig  an  am,  chan  'eil  cuimhne  agam  a  nis  ciod 
a  rinn  iad  air  a'  cheann  mu  dheireadh,  ach 
mur  deanadh  Comhairle  de'n  t-seorsa  ud 
maith  cha  deanadh  i  cron  co  dhiu.  Ach  tha 
e  moran  na's  usa  Comhairle  a  chur  air  chois  na 
daoine  fhaotainn  a  ghabhas  comhairle  na 
Comhairle. 

Is  e  an  fhirinn  nach  'eil  e  duilich  do  dhuine 
air  bith  Gaidhlig  a  litreachadh  gu  ceai't  ma 
chuireas  e  air  fhein  de  dhragh  's  gu'n  ionnsaich 
e  ciamar  a  bha  i  air  a  sgriobhadh  le  sgriobh- 
adairean  maith  anns  na  seann  laithean,  agus 
gu  sonruichte  ma's  aithne  dha  am  BiobuU 
Gaidhlig. 

Cluinnear  daoine  ag  radh  air  uairean  nach 
'eil  Riaghailtean-litreachaidh  againn  an  Gaidh- 
lig ;  gu  bheil  a  h-uile  duine  a'  sgriobhadh 
Gaidhlig  le  chluais  fhein,  agus  gu  bheil  uiread 
dhoighean-sgriobhaidh  againn  's  a  tha  de 
dhaoine  a'  sgriobhaidh.  Chan  'eil  sin  fior  ; 
tha  riaghailtean-sgriobhaidh  againn  an  Gaidh- 
lig, na'n  cumamaid  riu. 

Na'n  robhtar  a'  toiseachadh  air  Gaidhlig  a' 
sgriobhadh  as  in-  tha  iomadh  rud  ann  a  ghabh- 
adh  ceartachadh,  ach  chan  'eilear  a'  toiseach- 
adh as  iir,  agus  cha  mho  a  ghabhadh  a 
h-uile  rud  a  tha  cearr  a  bhi  air  a  chur  ceart  a 
nis.  Mar  sin  bhitheadh  e  glic  dhuinn  a  chuid 
as  fhearr  a  dheanamh  de'n  chuid  as  miosa  ; 
am  BiobuU  Gaidhlig  agus  na  seann  sgoilearan 
a  leantuinn,  agus  a  bhi  toilichte  leis  cho  beag 
a  dh'  atharrachadh  's  a  leigeas  ar  n-uabhar- 
gramair  leinn.  Chan  'eil  ach  aon  leabhar 
ann  an  litreachas  na  Gaidhlig  as  aithne  dhuinn 


uile,  am  BiobuU,  agus  na'n  leanamaid  uile 
doigh-sgriobhaidh  a'  Bhiobuill  cha  rachamaid 
fada  cearr.  Tha  da  sheorsa  dhaoine  ann  nach 
'eil  furasd  an  riarachadh  anns  a'  ghnothuch 
so,  (1)  na  sgoilearan  aig  a  bheil  an  siiil  daonnan 
air  gramar,  agus  (2)  sgriobhadairean  Lub-a'- 
gheoidh,  a  tha  a'  saoilsinn  nach  'eil  doigh  air 
bith  ceart  ach  an  doigh  a  tha  aca  an  Lub-a'- 
gheoidh. 

Bu  mhaith  leis  na  sgoilearan  nach  sgriobh- 
adh tu  thugam  no  dh'  ionnsuidh,  no  nan, 
no  cha  n  eil,  no  de  dh'  airgiod,  no  foirm  eile 
de'n  t-seorsa  sin  nach  'eil  a  reir  riaghailtean 
gramair,  no  sloinntearachd  fhacal.  Agus  bu 
mhaith  le  sgriobhadair  Lub-a'-gheoidh  gu'n 
leigeadh  tu  leis-san  so  a  sgriobhadh,  "  Chunna 
mi  Tionna  ChoUa  a  bh'  anns  a'  bhuailich  a  ne, 
a  niu  as  a  leinich  's  caman  aige  ach  gu  de  bha 
e  deanadh  leis  a'  chaman — "  (Chunnaic  mi 
tighearna  ChoUa  a  bha  anns  a'  bhuaile  an  de, 
an  diugh  as  a  leine  agus  caman  aige,  ach  ciod 
a  bha  e  a'  deanamh  leis  a'  chaman.  .  .  .) 

Tha  aobhar  no  dha  air  uiread  dhoighean  a 
bhi  againn  ann  an  sgriobhadh  Gaidhlig  : 

(1)  Bha  na  ceud  leabhraichean  Gaidhlig 
air  an  litreachadh  le  sgoilearan  a  bhuineadh 
do  Pheairt  agus  do  Earra-Ghaidheal.  Bha 
iad  ann  an  tomhas  eolach  air  an  doigh  anns  an 
robh  cainnt  na  h-Eireann  air  a  sgriobhadh, 
ach  cha  robh  iad  eolach  air  Gaidhlig  an  Taobh 
Tuath.  Mar  sin  tha  moran  fhacal  agus 
moran  fhuaimean  ann  an  cainnt  a'  BhiobuU, 
sgeul,  se,  feur,  nach  'eil  idir  cho  caomh  an 
cluasan  dhaoine  ris  an  doigh  anns  am  bi  iad 
fhein  a'  fuaimneachadh  nam  facal  sin.  Ach 
mar  thubhairt  mi  cheana,  chan  urrainn  dhuinn 
toiseachadh  as  iir  ;  an  ni  a  tha  sgriobhta  tha  e 
sgriobhta,  is  bhitheadh  e  glic  do  na  Tuathaich 
cho  maith  ris  na  Deasaich  sgial  is  hial  a  sheach- 
nadh  an  uair  a  tha  iad  a'  sgriobhadh  rud  as 
fhiach  dragh  a  ghabhail  ris.  Ach  mur  bheil 
iad  a'  sgriobhadh  ach  oraid  a  chuireas  seachad 
an  oidhche  anns  a'  Cheilidh  an  Glaschu,  no 
an  aite  eile,  faodaidh  iad  an  cainnt  fh^in  a 
chleachdadh  gu'n  ailgheas. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— MINISTEARAN  UIDHIST  A  TUATH 


(2)  Tha  da  sheorsa  cainnt  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd,  Gaidhlig  nan  leabhraichean  agus  Gaidh- 
lig  taobh  an  teine,  is  tha  mughadh  mor  eatorra. 
Tha  Gaidhhg  taobh  an  teme  air  a  gearradh 
cho  goirid  is  air  a  homhadh  cho  min  (air  sgath 
na  cluaise)  's  gu  bheil  an  treas  cuid  de  na 
Utrichean  air  am  fagail  a  mach.  Cha  bu  choir 
dhiiit  a'  Ghaidhhg  sin  a  chur  air  paipear 
idir  ;  ma  chuireas  tu  air  i,  bithidh  na  duilleagan 
air  am  breacadh  le  "  cromagan." 

Tha  mise  a'  sgriobhadh  Gaidhlig  o  chionn 
deich  bliadhna  fichead,  gun  a  bhi  sealltuinn 
air  Foclair  idir,  ach  a  mhain  air  Foclair  Mhic 
Bheathainn  an  uair  a  bhios  mi  an  teagamh 
mu  shloinneadh  facail,  agus  is  e  so  na  riaghail- 
tean  a  tha  agam, 

(1)  Am  Biobull  Gaidhlig  a  leantuinn  am 
bitheantas. 

(2)  A  h-uile  litir  ann  am  facal  a  sgriobhadh. 

(3)  Ach  fad  na  h-iiine  mo  thiir  fhein^  a 
chleachdadh,  agus  na  fasain  a  tha  aig 
sffoilearan  fflic  is  ciallach  a  leantuinn. 

Tha  na  riaghailtean  maith  gu  leoir,  ach  air 
a  shon  sin,  bithidh  mi  a'  deanamh  mheara- 
chdan ;  air  uairean  le  aineolas,  air  uairean  eile 
le  stalcaireachd,  ach  mar  is  trice,  a  chionn  gu 
bheil  freumh  de'n  f hailing  annam  a  tha  anns 
na  Gaidheal  uile,  agus  gu'm  bi  mi  ag  radh 
rium  f  hein,  an  deidh  dhomh  rud  a  chriochnach- 
adh  an  cabhaig,  Ni  e  an  gnothuch  mar  tha  e. 
Theireadh  an  Gall  agus  an  Gearmailteach, 
Theid  mi  thairis  air  a  rls. 


Tha   e  maith   gu'n  rachadh   aig   sgriobhad- 


airean  oga  Gaidhealach  air  an  cainnt  a  litreach- 
adh  gu  cothromach,  ach  bhitheadh  e  na  b' 
fhearr  air  fad  na'n  robh  rud  a  b'  fhiach  aca 
ri  radh,  agus  na'n  rachadh  aca  air  a  radh  le 
snas  agus  simplidheachd,  agus  le  bias  na 
Gaidhlig  air. 

Tha  moran  de'n  Ghaidhlig  a  bhitheas  mi 
a'  faicinn  anns  na  paipear  an  an  diugh  cho 
slaodach,  agus  cho  duilich  a  tuigsinn,  's  gu'm 
b'  fhearr  leam  a'  Bheurla  na  i.  Theagamh 
gur  e  a'  Bheurla  a  tha  innte  fad  na  h-iiine  ach 
a  mhain  gu  bheil  aodach  Gaidhealach  air  a 
chur  oirre.  Ciod  a  their  thu  ri  sgriobhadh 
mar  so  a  leughadair  ?  "Tha  iomlaineachd  a 
bhuill  a  comh-sheasamh  ann  bhi  gleidheadh 
comh-chordadh  dligheach  eadar  an  da  shealbh 
so."  Cha  b'e  aon  de  chuideachd  Dhonnchaidh 
Bhain  no  Thormoid  Mhic  Leoid  a  sgriobh  sud, 
ach  iar-ogha  do  Hegel. 

Chan  e  droch  litreachadh  na  Gaidhlig,  no 
lionmhorachd  nan  "  cromagan,"  a'  choire  as 
mo  ann  an  sgriobhaidhean  Gaidhlig  an  diugh, 
ach  nach  fhaigh  thu  annta  ach  gle  annamh, 
cnaimh  air  a  bheil  an  da  chuid  itheannaich  agus 
bias. 

Ma  tha  an  sgriobhadh  maith,  is  dreach 
agus  bias  na  Gaidlig  air,  bhithinn  gle  choma  co 
dhiu  a  thachradh  orm  cha  'n  'eil,  no  cha  'neil, 
no  chan  eil,  no  chan'eil,  no  chan  eil,  no  cha-neil, 
no  cha-n  'eil,  no  gu'n,  no  gun,  no  gu-n.  Ach 
chan  'eil  sin  a'  ciallachadh  gur  toigh  leam  mi- 
riaghailt,  no  gu'n  litricheadh  sgriobhadair  aon 
fhacal  ann  an  seachd  doighean,  ach  ma  chumas 
e  ri  dhoigh  fhein,  agus  mur  bheil  an  doigh 
sin  uile  gu  leir  tuathall,  leiginn  leis  ;  is  leiginn 
le  luchd-a'-ghramair  a  bhi  bruidhinn.  Nach 
ann  air  a  shon  sin  a  tha  iad  ann  idir  ! 


Ministearan  Uidhist  a  Tuath 


ANNS  na  seann  laithean  bha  da  sgir  ann  an 
-Uidhist  a  Tuath,  ach  aig  am  an  Ath- 
leasachaidh  bha  iad  air  an  cur  comhla.  A 
thuilleadh  air  Cill  Mhoire  bha  iomadh  larach 
naomh  eile  anns  an  eilean  ;  Cill  Mhartainn,  Cill 
Amhlaidh,  Cill  Pheadair,  Teampull  Chriosd, 
Teampull  na  Trianaid,  Cladh  Chliamain. 

Ma  bha  ministear,  no  ministearan,  air  an 
suidheachadh  anns  an  eilean  roimh  thoiseach 
na  seachdamh  linn  deug,  chan  'eil  cuimhne  orra 
an  diugh.  Is  e  a'  cheud  mhinistear  a  tha  air 
ainmeachadh  anns  an  leabhar  ris  an  abrar 
Fasti  Ecclesiae  Scoticanae,  Domhnull  Mac  Gille 
Mhaoil. 

1626.  Domhnull  Mac  Gille  Mhaoil.  Bha  e 
'na  fhior  sheann  duine  ann  an  1626,  ged  bha 
Uidhist  a  Deas  air  a  chiiram  cuideachd. 

1642.     Aonghus  Mac  Cuinn. 

1662.  Domhnull  Mac  Gill-Eathain,  M.A.,  a 
bha  air  oileanachadh  an  Obar-Dheathain. 


1688.  Ailean  Mac  Ghille  Mhoire,  M.A., 
mac  do  Dhomhnull  Mac  Ghille  Mhoire  a  bha 
'na  mhinistear  am  Barabhas,  an  Leodhas.  Bha 
e  air  oileanachadh  an  Obar-Dheathain  ;  air  a 
shuidheachadh  ann  an  Uidhist  an  1688,  ach  air 
a  chur  a  mach  as  ann  an  1692,  a  chionn  nach 
geilleadh  e  do  riaghladh  na  Cleire.  An  sin 
bha  e  air  a  chur  a  steach  ann  an  Sgir  Bhara- 
bhais. 

1692.  Alasdair  Mac-a-Chiibair,  aig  an  robh 
taobh  ris  an  Riaghladh  Easbuigeach  anns  an 
eaglais  ;  chuir  an  taobh  bheag  sin  a  steach  e  do 
Chill  Mhoire  an  1692,  ach  an  ceann  sheachd 
bliadhna  gheill  e  do  riaghladh  na  Cleire.  Bha 
e  air  a  bhathadh,  air  aiseag  anns  a'  Chuan  Sgith 
an  1706. 

1708.  Iain  Mac  Ghill  Eathain,  mac  do  fhear 
Bhorroraidh.     Shiubhail  e  ann  an  1735. 

1736.  Domhnull  Mac  Leoid,  M.A.,  mac  do 
fhear  Ghrisornis,  agus  iar-ogha  do  Shir  Ruairidh 


MINISTEARAN  UIDHIST  A  TUATH 


M6r  Mac  Leoid,  Dhun-bheagain.  Bha  e  air 
oileanachadh  an  Obar-Dheathain  ;  'na  mhis- 
sionaraidh  am  Beinn-na  faoghla  ;  air  a  shuidh- 
eachadh  ann  an  Uidhist  a  Deas  an  1725. 
Chaidh  e  do  Chill  Mhoire,  an  Uidhist  a  Tuath, 
an  1936  ;  agus  a  Cill  Mhoire  chaidh  e  do 
Dhiurinnis  anns  an  eilean  Sgitheanach.  Bha  e 
'na  dhuine  maith  agus  'na  mhinistear  maith, 
agus  'n  a  bhard  maith  cuideachd.  Phos  e 
Anna  Nic  Ghill-Eathain,  d'an  do  rinn  e  am 
Beannachadh-bainnse  so, 

"  Mile  failte  dhuit  le  d'  bhreid, 
Fad  do  re  gu'n  robh  thu  slan ; 
M6ran  laithean  dhuit  le  sith, 
Le  d'  mhaitheas  's  le  d'  ni  bhi  fas." 

Bha  da  mhac  is  triiiir  nigheanan  aige  ;  bha  te 
de  na  nigheanan  posda  aig  fear  Bhaile-Ragh- 
aill,  agus  te  eile  aig  Domhnull  Mac  Leoid,  am 
Bearnaraidh. 

1755.  Domhnull  Mac  Cuinn,  M.A.,  mac  do 
mhinistear  Shleite.  Bha  e  air  oileanachadh  an 
Obar-Dheathain  ;  air  a  shuidheachadh  ann  an 
Eige  an  1727.  Dh'  fhag  e  Eige,  is  chaidh  e  do 
Uidhist  a  Tuath  an  1755.  Phos  e  nighean  do 
Lachlainn  Mac  Ghill-Eathain,  fear  Thorathsdan, 
an  Colla  ;  is  bha  dithis  mhac  aige,  Ailean  a  bha 
air  a  shuidheachadh  'n  a  aite,  an  uair  a  shiubhail 
e,  agus  Eamuin  a  bha  'n  a  mhinistear  am 
Barraidh.  Bha  e  Ian  ghisreagan  ;  a'  creidsinn 
ann  an  taibhsearachd  ;  agus  bha  amharus  aig 
daoine  gu  robh  trogain  aige  ri  spioradan  neo- 
chneasda.     Chaochail  e  an  1770. 

1770.  Ailean  Mac  Cuinn,  M.A.,  a  bha  air  a 
shuidheachadh  an  Cill  Mhoire  an  deidh  athar. 
Bha  e  air  oileanachadh  an  Obar-Dheathain  ; 
'na  mhissionaraidh  am  Beinn-na-faoghla  an 
1769,  agus  air  a  shuidheachadh  an  eaglais  athar 
an  1770.  Bha  meas  mor  air  anns  an  eilean,  oir 
bha  e  'n  a  dhuine  pongail  agus  'n  a  dhuine 
diadhaidh.  Phos  e  nighean  do  f  hear  Bhalaigh,  is 
bha  dithis  de  theaghlach  aige  ;  Domhnull  a 
bha  'n  a  Chaiptean  anus  an  arm,  agus  Mairi, 
m'an  do  rinn  Alasdair  Stiubhard,  a  bha  'na 
mhaighstir-sgoil  anns  an  sgireachd,  an  t-oran, 
A  Mhairi  bhoidheach  's  a  Mhairi  ghaolach. 
Sgriobh  Ailean  Mac  Cuinn  cunntas  air  Uidhist 
a  Tuath,  a  chuir  an  Ridire,  Iain  Sinclair,  a  mach 
'na  leabhraichean.  Chaochail  e  an  Tigh-a- 
ghearraidh  an  1801. 

1802.  Seumas  Mac  Cuinn,  M.A.;  mac  do 
Uilleam  Mac  Cuinn  a  bha  'n  a  mhinistear  an 
Sniosort,  's  an  eilean  Sgitheanach  ;  air  oilean- 
achadh an  Obar-Dheathain  ;  air  a  shuidheach- 
adh mar  mhissionaraidh  anns  na  Hearadh  an 
1792  ;  agus  mar  mhinistear  an  Uidhist  a  Tuath 
an  1802.  Phos  e  anns  na  Hearadh  nighean  do 
fhear  Bhalaigh,  is  bha  da  mhac  is  nighean  aige. 
Chaidh  fear  d'a  mhic,  Alasdair,  gu  muir,  is  bha 
am    fear    eile,    Uilleam,    'na    mhinistear    an 


Truimisgearraidh.  Shiubhail  e  an  1815.  (Bha 
fear  as  deidh  fir  de'n  teaghlach  so  'n  am 
ministearan  an  Sniosort  fad  cheithir  ginealan, 
no  ceithir  agus  seachd  fichead  bliadhna; 
daoine  laidir. 

1815.  Uilleam  Arbuckle,M.  A.,  mac  tuathan- 
aich  am  Baile-an-loch  ;  bha  e  air  oileanachadh 
an  Obar-Dheathain,  agus  air  a  shuidheachadh 
mar  mhissionaraidh  an  Sannd  agus  Sollas  an 
1806,  an  deidh  dha  bhi  greis  a'  teagasg  sgoile 
an  Steornabhagh  ;  a  Sannd  chaidh  e  a  dh' 
Uidhist  a  Deas,  far  an  d'  fhan  gus  an  robh  e  air 
a  chur  thairis  air  coimhthional  Chill-Mhoire  an 
1815.  Phos  e  nighean  do 'n  Dotair  Mac  Leoid, 
an  Cill  Pheadair,  piuthar  do'n  Dotair  Bhan, 
is  bha  naoinear  de  theaghlach  aige.  Cha  robh 
e  ach  beagan  is  da^bhliadhna  an  Cill  Mhoire  ; 
chaochail  e  trath  's  a'  bhliadhna  an  1818.  Bha 
nighean  dha  posda  ri  fear  de  mhuinntir  Uidhist 
a  shiubhail  o  chionn  ghoirid. 

1818.  Fionnladh  Mac  Rath,  M.A.,  mac  do 
thuathanach  a  bha  an  Ach-an-t-suidhe,  an  Loch 
Carrann.  Bha  e  air  oileanachadh  an  Obar- 
Dheathain  ;  air  a  shuidheachadh  mar  mhission- 
araidh an  Sannd  agus  an  Sollas  an  1815,  agus 
air  a  shuidheachadh  an  eaglais  na  sgireachd 
anns  an  fhoghar  1815.  Bha  e  greis  'na 
chleireach  aig  a'  Chleir,  agus  'na  J. P.  an 
siorramachd  Inbhir-Nis.  *  Phos  e  nighean  do 
Choirneal  Alasdair  Domhnullach,  am  Baile- 
Raghaill,  is  bha  seachdnar  de  theaghlach  aige, 
seisear  mhac  agus  aon  nighean.  Bha  dithis  d'a 
mhic  ri  tuathanachas,  Domhnull  ann  an 
Losgantir  anns  na  Hearadh,  agus  Anndra  ann 
an  Bhalaigh ;  is  dithis  eile  'n  an  dotairean.  Bha 
e  air  a  thoirt  air  beulaibh  an  Ard  Sheanaidh  an 
Dun-eideann  an  1841  air  son  searmon  a  liubhair 
e  aig  an  t-Seanadh  an  Gleann-eilge,  a  bha  cuid 
d'a  bhraithrean  a'  saoilsinn  mearachdach  'n  a 
theagasg,  ach  b'e  binn  an  Ard  Sheanaidh  nach 
nach  robh  dad  cearr  ann.  Shiubhail  e  air  La 
Bealltuinn,  an  1858,  is  bha  Iain  a  mhac  air  a 
chur  'na  aite. 

1859.  Iain  Alasdair  Mac  Rath  ;  rugadh  e 
ann  an  Bhalaigh  an  1832 ;  bha  e  air  oileanachadh 
an  Obar-Dheathain  agus  an  Glaschu  ;  fhuair  e 
cead-searmonachaidh  bho  Chleir  Uidhist,  is  bha 
e  air  a  shuidheachadh  an  Truimisgearraidh  an 
1855  ;  an  1859  bha  e  air  a  chur  os  cionn  coimh- 
thional Chill  Mhoire,  ach  leig  e  dheth  a 
dhreuchd  an  1886.     Shiubhail  e  an  1896. 

1887.  Domhnull  Domhnullach,  D.D.  ;  cha 
ruigear  a  leas  a  radh  uime-san  ach  an  seann 
fhacal  Uidhisteach  so,  praeclarum  et  venerabile 
nomen  ;  facail  a  thuigeas  muinntir  Uidhist  gu 
maith,  ach  ma  tha  an  Gaidhlig  a'  fas  meirgeach, 
theagamh  gu'n  tuig  iad  a'  Ghreigis  so  na's 
fhearr,  dSeA(/)os  ov  6  eTratvos  ev  tw  eDayyeAto) 
Sta  TTtto-wv  Twv  kKKXrjdiMv.  Leig  e  dheth  uallach 
na  sgireachd  an  uiridh. 


AIG  AN  UINNEIG 


Aig  an  Uinneig 


Catriona  Nic  Fhionghuin 

CHAN  'EIL  a  bheag  a  dh'  ainmean-bhoirion- 
nach  againn  an  Gaidhlig,  ach  is  iad  so 
a'  cheithir  as  boidhche  (co  dhiu  d'  am  chluais- 
sa)  ;  Catriona,  Iseabal,  Mairi,  agus  Mairearad. 
Bha  iomadh  Catriona  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
ach  is  e  an  te  air  a  bheil  mi  a'  deanamh  iom- 
raidh  an  drasd,  Catriona  Nic  Fhionghuin 
a  bhuineadh  do'n  Ros  Mhuileach  (do'n  teagh- 
lach  d'  am  buineadh  an  t-Ard  Ollamh  nach 
maireann,  Domhnull  Mac  Fhionghuin),  agus 
a  bha  'n  a  banaltruim  aig  lompaire  Russia. 
An  deidh  dhi  an  sgoil  fhagail  anns  an  Ros, 
chuir  Calum  Domhnullach,  an  Ulabha,  daimh- 
each  a  bha  gu  maith  air  a  dhoigh,  greis  do 
sgoil  i  an  Dun-eideann,  agus  air  chomhairle 
Thormoid  Mhic  Leoid,  "  Caraid  nan  Gaidheal," 
ghabh  teaghlach  uasal  ann  an  Russia  mar 
bhanaltruim  i. 

B'e  an  ath  ghluasad  a  rinn  i,  gu'n  robh  i, 
air  chomhairle  an  teaglaich  uasail  sin,  air  a 
taghadh  mar  bhanaltruim  do  mhac  6g  an 
lompaire,  agus  dh'  fhan  i  anns  an  teaghlach 
rioghail  gus  an  robh  i  'n  a  seana  bhoirionnach. 
Bha  meas  mor  oirre  ann  an  teaghlach  an  lom- 
paire ;  bha  i  'n  a  boirionnach  ciiiin,  gaolach, 
is  bha  e  air  a  radh  gu'm  b'  aithne  do'n  Czar, 
an  uair  a  thainig  e  gu  aois,  moran  de  na  cronain 
agus  na  fuinn  Ghaidhealach  a  bhiodh  i  a' 
seinn,  'g  a  chur  a  chadal. 

An  uair  a  thoisich  an  cogadh  anns  a'  Chrimea, 
eadar  Russia  agus  Breatunn,  bha  i  'n  a  seana 
bhoirionnach,  ach  ged  bha  an  teaghlach 
rioghail  anabarrach  coibhneil  rithe,  agus  ged 
nach  robh  iad  air  son  gu'm  fagadh  i  an  diithaich, 
b'  fhearr  leatha  Russia  fhagail  air  an  sgath- 
san,  is  chaidh  i  a  dh'  fhuireach  do  Florence, 
far  an  do  shiubhail  i.  Chuir  iad  duine  leatha 
a  h-uile  ceum  do  Florence,  a  chuideachadh 
leatha  air  an  t-slighe.  An  uair  a  bha  i  a' 
fagail  Russia  thubhairt  an  t-Iompaire  rithe 
nach  robh  aice  ach  fabhar  air  bith  a  bu  mhaith 
leatha  fhaotainn  bhuaith  ainmeachadh,  agus 
gu'n  tugadh  e  dhith  e  gu  toileach.  Thubhairt 
i  gu'm  b'  e  an  rud  a  b'  fhearr  leatha,  e  bhi 
coibhneil  ri  saighdearan  Gaidhealach  a  bhiodh 
'n  am  priosanaich.  Gheall  e  gu'n  tugadh  esan 
ordUgh  sin  a  dheanamh. 

Iomadh  bliadhna  an  deidh  do  Chatriona  Nic 
Fhionghuin  a  bhi  marbh  dh'  iarr  mac  an  lom- 
paire a  thog  i  (bhiodh  e  a'  cluinntinn  athar  a' 
bruidhinn  uimpe)  pios  de  chlo  Muileach  a 
bhi  air  a  chur  thuige,  a  dheanamh  deise. 
Bha  an  clo  air  a  dhathadh  le  cnotal  a  bha  air 
a  bhuainn  bharr  nan  creag,  dliith  do  larach 
an  tighe  anns  an  do  rugadh  Catriona  Nic 
Fhionghuin. 


P.  C.  Mac  Pharlain 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  ag  tirachadh  niu 
chuimhne  air  rud  no  dha  mu  'n  Chathair 
Ghaidhlig  an  Dim-eideann,  is  thainig  e  air  ais 
gu  m'  inntinn  gur  e  P.  C.  Mac  Pharlain  a' 
cheud  fhear  a  choisinn  am  Medal  anns  a' 
chlass  Ghaidhlig,  rud  a  dh'  fhaodainn  uisnea- 
chadh  niar  argumaid  na'n  toisichinn  air  a 
dhearbhadh  gu  bheil  muinntir  a'  mhonaidh 
'n  an  sgoilearan  as  fhearr  na  muinntir  na  fairge. 
Cha  robh  a  bheag  de  sgoilearan  maithe  riamh 
anns  na  h-eileanan  ;  gheibhteadh  daonnan  na 
sgoilearan  a  b'  fhearr  air  tir-mor,  agus  gus 
an  la  diugh,  ged  tha  inntinnean  muinntir 
Pheairt,  agus  muinntir  Bhaideanach,  agus 
ixiuinntir  mhachraichean  Rois  (le'n  gabhail 
thar  a  cheile)  car  maol  agus  mall  an  coimeas 
ris  na  h-inntinnean  luath  agus  geur  a  tha  aig 
muinntir  nan  eileanan,  tha  rud-eigin  anns  an 
inntinn  aca  na's  doimhne  na  tha  ann  an  ean- 
chainn  an  eileanaich,  criadh  dhomhain  fhuar 
as  an  tig  barr  as  fhearr  na  gheibhear  a  gain- 
mhich,  ged  a  dh'  fhaodas  barr  na  gainmhich  a 
bhi  na's  traithe.  Ach  air  eagal  gu'n  loisg  mi 
mo  chorragan  chan  abair  mi  an  corr ;  is  e  a 
thug  orm  tarruing  idir  a  thoirt  air,  gur  ann  anns 
a'  ghleann  a  tha  dol  suas  o  Ath-Maol-Ruibhe, 
am  Peairt,  a  rugadh  P.  C.  Mac  Pharlain,  fear 
de  na  sgoilearan  a  b'  fhearr  a  bha  aig  Mac 
Fhionghuin  riamh.  Bha  e  an  toiseach  an 
Oil-thigh  Ghlaschu,  is  bha  e  anns  a'  chlass  a 
bha  air  a  theagasg  leis  an  Ollamh  Alasdair 
Camshron,  a  bha  an  Renton  aig  an  am,  ach 
an  uair  a  bha  a'  Chathair  Ghaidhlig  air  a  cur 
air  chois  an  Dun-eideann,  dh'  fhag  e  Glaschu  is 
chaidh  e  do  Thalia  na  Diadhachd,  an  Diin- 
eideann. 

Bha  e  da  shamhradh  'n  a  mhissionaraidh 
an  Cill-Fhinnchain,  am  Muile,  agus  is  ann  am 
Muile  a  fhuair  e  galair  a  bhais.  Shiubhail 
e  anns  a'  Mhart,  an  1887.  Bha  e  'na  sgoilear 
maith  ;  sgriobh  e  mu  phuingean  gramair  anns 
a'  Mhiosachan  Cheilteach  seachduin  no  dha 
m'  an  do  shiubhail  e.  Na'  n  d'  fhuair  e  saoghal 
tha  e  gle  choltach  gu'n  deanadh  e  obair  mhaith 
ann  an  Gaidhlig. 

Iain  Camshron,  M.A.,  L.L.B.,  Ph.D. 

An  uiridh  chuir  Iain  Camshron,  fear-lagha 
ann  an  Glaschu,  air  a  bheil  Gaidheil  gle  eolach, 
leabhar  a  mach  anns  a  bheil  e  a'  dol  thairis 
air  seann  laghanna  na  h-Eireann,  a  dh'  fheu- 
chainn  an  ann  orra  a  bha  laghanna  is  cleachd- 
aidhean  nan  Gaidheal  Albannach  air  an 
steidheachadh,  no  a  bheil  a'  bheag  de  lagh  na 
h-Alba,  mar  is  aithne  dhuinn  e  an  diugh,  air 


8 


AIG  AN  UINNEIO— AN  T-EARRACH 


a  steidheachadh  orra.  Sin  agad  ceist  mhor 
agus  ceist  fharsuing,  is  dh'  fheumadh  am  fear 
a  dh'  fheuchadh  r'a  freagairt  an  da  chuid  uine 
agus  eolas  a  bhi  aige,  eolas  air  iomadh  rud  nach 
fhaigh  e  ann  an  class  anns  a'  ChoUaist,  no  deas 
air  son  a  thogail  a  leabhraichean. 

Chan  'eil  a  dh'eolas  agam-sa  air  lagh  's 
gur  h-urrainn  dhomh  a  radh  co  dhiu  a  tha  no 
nach  'eil  a'  cheist  sin  air  a  freagairt  gu  cothrom- 
ach  anns  an  leabhar  so  ;  ach  faodaidh  mi 
so  a  radh,  gu  bheil  am  Morair  Mac  Ghille- 
Mhaoil,  aon  de  Ard-OUamhan  an  lagha,  gu 
laidir  de'n  bheachd  gu'n  do  rinn  Iain  Camshron 
obair  mhaith  anns  an  leabhar  so,  agus  gu'n  do 
chuir  e  solus  air  rud  no  dha  a  bha  dorcha  a 
thaobh  seann  laghanna  na  h-Alba.  Is  mor 
an  rud  e  aon  chlach,  no  eadhon  aon  spitheag, 
a  chur  an  earn  an  Eolais. 

Cha  b'  ann  air  Lagh  a  bha  mo  shiiil-sa  anns 
an  leabhar  so  ach  air  nithean  eile  a  bha  ur 
dhomh  agus  annasach,  seanchas  mu  dhraoidh- 
ean  agus  mu  fhilidhean,  mu  f hacail  Eireannach 
agus  mu  eachdraidh  Eireannach,  agus  mu 
fhichead  rud  eile  air  a  bheil  Mghr  Camshron  a' 
tighinn  thairis  anns  an  leabhar.  Thainig 
mi  thairis  ann  air  iomadh  rud  air  nach  robh 
fhios  agam,  dh'  iiraich  e  mu  chuimhne  air 
nithean  a  b'  aithne  dhomh  cheana,  is  chuir  e 
gu  rannsachadh  mi  am  measg  mo  leabhraich- 
ean fein,  a  dh'  iarraidh  freagairt  do  cheistean 
a  bha  ag  eiridh  'n  am  inntinn. 

B'e  an  "  Seanchus  Mor,"  a  theireadh  sgoil- 
earan  na  h-Eireann  ris  an  leabhar  anns  an 
robh  seann  laghannan  na  h-Eireann  air  an  cur 
sios  agus  ged  nach  deanadh  e  ach  an  leabhar 
sin  fhosgladh  do  dhaoine  do  nach  b'  aithne  e, 


bu  mhor  sin  fhein.  Ach  b'e  a  chuid  a  b'  fhearr 
leam-sa  de'n  leabhar  uile  gu  leir,  an  cruinn- 
eachadh  a  rinn  Mghr  Camshron  air  cainnt 
an  lagha  an  Gaidhlig,  facail  a  b'  aithne  dhomh 
agus  facail  nach  b'  aithne. 

Ann  an  deireadh  an  leabhair  tha  e  a'  cur 
sios  cuid  de  na  seann  sgriobhaidhean-lagha 
anns  an  robh  fearainn  air  an  tiomnadh  thairis 
gu  brath  mar  thabhartas-saor,  agus  'n  am 
measg  sin,  an  tabhartas  a  thug  morair  Bhuchain 
do  Chalum-cille  agus  do  Dhrostan.  Sin  a' 
cheud  sgriobhadh  a  bha  air  a  chur  am  laimh- 
sa  an  uair  a  thoisich  mi  air  Gaidhlig  ris  an 
abramaid  Gaidhlig  Eireannach  ionnsachadh 
anns  a'  Chollaist,  ach  ged  nach  'eil  ann  ach 
ceithir  deug  no  coig  deug  de  shreathan  uile 
gu  leir  tha  de  fhiidar  anns  na  sreathan  sin  's 
gu'n  deanadh  iad  braidseal  a  chiteadh  o 
Dhim-eideann  gu  Dornoch,  agus  o  Dhornoch 
gu  Obar-dheathain,  na'n  cuireadh  tu  spor- 
theine  ris  an  f htidar. 

Tha  a'  chuid  mhor  de  na  leabhraichean  a  tha 
air  an  sgriobhadh  an  diugh  mu'n  Ghaidheal- 
tachd  mar  gu'm  faiceadh  tu  treabhaiche  a' 
tarruing  sgriob  aotrum  ann  an  talamh  gain- 
mhich  an  deidh  buntata  a  bhi  ann,  obair  nach 
'eil  trom  air  an  duine  no  air  na  h-eich,  ach 
anns  an  leabhar  so  tha  an  crann  air  a  chur  ann 
an  seann  ghlasaich  nach  do  thionndadh  riamh, 
riasg  laidir  a  tha  trom  air  an  treabhaiche  agus 
air  na  h-eich.  Rinn  an  treabhaiche,  Mghr 
Camshron,  a  chuid  fhein  gu  diongmhalta  agus 
gu  snasmhor,  ach  tha  an  samhladh  air  dol  cearr 
orm,  is  chan  'eil  fhios  agam  air  an  t-saoghal 
CO  iad  na  h-eich.  Mur  mi  fhein  agus  thu  fhein, 
a  leuffhadair  ! 


An  t-Earrach 


Leis  an  Uhramach  Eachann  Camshron,  anns  a'  Mhoigh 


OFAILT  do'n  raidhe  urar  ghrinn 
A  chuireas  sunnd  's  gach  anam  ! 
Gach  luibh  air  fonn  is  ian  an  crann 
A'  togail  fuinn  is  caithream  ; 
Tha  'n  cridh'  am  chom  le  surd  neo-throm 
An  togar  rainn  is  ealaidh, 
'S  an  saogh'l  gu  leir  cur  ris  an  t-seisd, 
O'n  dh'  eirich  grian  an  Earraich. 

Tha  gathan  oir  thar  bheanntan  mor 

A'  diisgadh  ceol  na  maidne  ; 

Tha  dealt  an  driichd  gu  ceothar  ciiiin 

Mar  dheatach  tiiis  o'n  lagan  ; 

O'n  bhothan  dhiblidh  anns  a'  ghleann 

Tha  smuid  gu  fann  o'n  chagailt  ; 

Tha  coin  is  clann  a'  ruith  'n  an  deann 

Le  aighear  anns  an  Earrach. 


Le  torman  fann  tha  sruth  nan  allt 

A'  ruith  troimh  'n  ghleann  's  a'  mireag  ; 

Nach  cluinn  thu  'n  t-srann  tha  feadh  nan  crann, 

"  So  bean-na-bainns'  a'  tighinn  !  " 

Cha  'n  fhad  an  t-am  gu'm  faic  thu  'm  fonn 

A  dh'  fhag  an  geamhradh  greannach, 

Le  breacadh  dhithean,  srath  is  frith. 

An  sgeadach  grinn  an  Earraich. 

Buidheachas  do'n  Ti  tha  shuas 
'Tha  buanachadh  a  mhaitheis, 
Is  ann  an  cuairt  na  bliadhna  mhoir 
Na  dh'  fhoghnas  dhuinn  'tha  tabhairt  ; 
'N  a  ghliocas  iongantach  's  'na  ghradh 
Nach  d'  fhuair  sinn  fath  air  gearan, — 
Le  m'  bheatha  ardaicheam  a  chliii 
Bho'n  thug  e  dhuinn  an  t-Earrach. 


Aireamh 


3 


938 


An  Tiodhlac  Do-Labhairt 

Leis  an  Urbamach  Calum  Mac  Le6id,  am  Both-chuidir 
"  Buidheachas  do  Bhia  air  son  a  thiodhlaic  do-labhairt."—2  Corint.  ix.  15. 


THA  do-labhairt  ann  an  so  ag  ciallachadh 
chan  e  nach  urrainn  dhuinn  labhairt  mu'n 
tiodhlac  a  tha  an  so,  ach  nach  urrainn  dhuinn 
gu  leor  a  labhairt  mu  dheidhinn. 

Tha  e  'na  chleachdadh  agam,  nuair  a  theid 
agam  air,  a  bhi  toirt  sgriob  gach  bliadhna 
do  aite  mo  bhreith  is  m'  arach.  A  nis  chan 
'eil  ard  no  iosal,  chan  'eil  cuil  no  cial  an  sin 
air  nach  robh  mise  mion  eolach  'nam  bhalach  ; 
chan  'eil  cnoc  no  beinn,  glaic  no  gleann, 
traigh  no  creag,  allt  no  abhainn  air  nach  robh 
mise  gu  maith  eolach  'n  am  oige.  Ach  chan 
'eil  samhradh  a  theid  mi  ann  a  nis  nach  fhaic 
mi  ni-eigin  nach  do  mhothaich  mi  dha  a  roimhe 
— theagamh  lagain  cnuic  no  sgor  creige  no 
geo  chumhang  ;  agus  bha  iad  uile  an  sud 
agus  mise  a  ruith  is  a  cleasachd  'n  am  measg 
ged  nach  do  mhothaich  mi  dhaibh  gus  an  so. 
Saoilidh  mi  gu  bheil  ceol  ann  an  torman  sruthan 
airigh  nam  Beirt  nach  cuala  mi  a  riamh  roimhe 
ged  a  bha  e  cheart  cho  binn  nuair  a  bha  mise 
'n  am  bhalach.  Chan  'eil,  ma  tha,  uair  no 
am  a  theid  mi  do  'n  t-seann  diithaich  nach 
fhaic  agus  nach  cluinn  mi  nithean  nach  do 
mhothaich  mi  dhaibh  a  riamh  roimhe.  Chan 
e  nach  robh  iad  an  sud  o  linn  mo  sheanar,  fada 
mus  do  rugadh  mi,  agus  eadhon  o  chruthai- 
cheadh  na  diiilean.  Chi  mi  ni  iir  gach  bliadhna; 
cha  ghabh  e  innse  na  tha  ri  fhaicinn  ann  an 
tir,  agus  'sa  chruthachadh — tha  e  do-labhairt. 
So  mar  a  bha  an  Abstol  a  thaobh  an  t-Sla- 
nuigheir.  Riamh  o  fhuair  an  t-abstol  Pol  eolas 
air  an  t-Slanuighear  an  toiseach  bha  e  a 
faicinn  buadhan  beannaichte  ann,  ach  mar  a 
bha  na  bliadhnachan  a  dol  seachad  agus 
mar  a  bha  esan  a  dol  troimh  fhiosrachadh  is 
troimh  shuidheachadh  is  troimh  chrannchur  as 
tir  bha  e  a  mothachadh  agus  a  faotainn  eolais 
air  buadhan  is  beannachdan  tir  ann.  Bha  an 
Slanuighear  agus  na  bha  ceangailte  ris  agus 
na  chois,  do-labhairt.  Is  maith  a  bha  cuimhne 
aig  an  Abstol  air  a'  bheatha  is  air  an  t- 
saorsa  a  fhuair  e  nuair  a  chuir  e  eolas  air  an 
Tighearna  an  toiseach  agus  bha  e  a'  faotainn 
ann  ur  bheannachdan  agus  gnath  neart  anns 
gach  suidheachadh  's  an  robh  e,  agus  anns 
gach  gabhadh  troimh  an  deachaidh  e.  Cha  b' 
urrainn  dha  innse  gu  leir  ;  bha  e  do-labhairt 
d'a  thaobh-san. 

Agus  a  chairdean,  nach  ann  mar  so  fhuair 
sinne    e    cuideachd.     Tha    cuimhne    agad    a' 


bheatha  is  an  solas  is  an  gradh  a  fhuair  thu 
ann  an  toiseach  agus  ged  a  thainig  atharra- 
chadh  ann  an  seadh  air  an  sin  fhuair  thu 
aoibhneas  iir  agus  neart  nuadh  anns  gach 
ceum  troimh  an  d'  thainig  thu  air  slighe 
chorrach  choitchionn  na  beatha-sa.  Is  ann 
mar  so  a  bha  Pol  a  faireachdainn  nuair  a 
thubhairt  e  fo  stiuireadh  an  spioraid  :  "  Buidhe- 
achas do  Dhia  air  son  a  thiodhlaic  do-labhairt." 
Bha  ni  iir,  ni  ionghantach,  ni  do-thuigsinn  aige 
'ga  fhaicinn  is  'ga  f haotainn  's  an  t-Slanuighear 
bheannaichte  daonnan  .  .  ,  agus  na  buadhan 
is  na  beannachdan  sin  daonnan  a'  tighinn  an 
uachdair  an  Criosd  direach  mar  a  bha  e  'g 
an  aithris  ;  agus  mar  sin  cha  tigeadh  crioch 
air  an  aithris.  Bha  e  do-labhairt.  Bha  Pol 
an  abstol  a'  labhairt  riutha  mu  thabhartasan 
is  mu  thiodhlacan  ;  so  ars'  esan,  tiodhlac 
do-labhairt  Dhe  ;  chan  ionghnadh  ged  a 
bheireadh  sinn  buidheachas  dha  air  a  shon. 

A  nis  tha  an  tiodhlac  so  do-labhairt  ann  an 
doigh  no  dha. 

1.  An  toiseach,  mar  a  tha  e  ag  co-fhreagairt  ri 
uireashhuidh  is  suidheachadh  dhaoine  peacach. 

Tha  an  tiodhlac  so — saor  thiodhlac  Dhe  an 
Ci'iosd — a'  co-fhreagairt  ri  suidheachadh  is 
feum  gach  aon  a  tha  gabhail  an  tiodhlaic. 
Tha  cuimhne  agam  a  bhi  leughadh  ann  an 
leabhar-beatha  mna  uasail  a  bha  uair-eigin 
an  Lunnainn  gu'n  robh  i  ag  innse  ann  mu 
thiodhlac  a  fhuair  i  agus  i  'na  h-inghinn  bhig. 
Aon  uair  aig  am  na  Nollaige  bha  i  ag  radh 
gu'n  tug  a  h-athair  agus  a  mathair  a  mach 
i  los  tiodhlac  a  cheannach  dhi.  Bha  iad  a 
fuireach  an  aitreabh  mor  riomhach  air  braighe 
a'  bhaile-mhoir  agus  dh'  fhalbh  iad  leatha-se 
air  laimh  do'n  bhaile  gus  an  ceannaicheadh  iad 
dhi  f  ior  thiodhlac  agus  gur  h-e  i-f  hein  an  t-aon 
leanabh  a  bh'  aca.  Ars'  ise,  nuair  a  bha  sin 
ag  coiseachd  troimh  chearnaidh  bhochd  de'n 
bhaile  agus  sinn  a  dol  dh'  ionnsuidh  nam 
biiitean  mora  maiseach  's  an  taobh-siar,  bha 
sinn  a  dol  troimh  shraid  chaol  chumhang  le 
fior  choltas  na  bochdainn  agus  de  a  chunnaic 
mise,  ars'  ise,  ann  an  uinneig  biiithn  threall- 
aichean  ach  hughag  bheag  agus  i  ann  an  leab- 
aidh  bhig  shnog.  O  !  ars'  ise,  thoiribh 
dhomh  an  liughag  ud  'na  thiodhlac-NoUaige, 
so  an  dearbh  thiodhlac  a  tha  dhith  orm.  A 
ghaoil  mo  chridhe,  arsa  a  mathair,  agus  i  ga 


AN  TIODHLAC  DO-LABHAIRT 


tarruing  air  falbh  tha  sinn  a  dol  thoirt  tiodhlac 
dhuit  a  tha  ciad  fichead  uaii*  na  's  luachmhoire 
is  na  's  maisiche  na  sud.     Dh'  fhalbh  iad  leani, 
ars'  ise,  agus  cnead  annam  ag  gul  is  mo  chridhe 
an  impis  sgaineadh  agus  thug  iad  mi  gu  aon 
de  bhuitean  mora  a  bhaile  ;    cheannaich  iad 
an  sin  ni-eigin  a  chosd  barrachd  agus  a  chiad 
fhichead  uiread  agus   a  chosdadh  an  hughag 
is  an  leabaidh.     Ach  cha  bu  thiodhlac  dhomhsa 
e,  cha  robh  e  ag  co-fhreagairt  I'ium,  agus  thug- 
mi  fuath  mo  chridhe  dha.     O  !    arsa  a  bhean, 
carson    nach    tugadh    parantan    is     cairdean 
tiodhlac  do  chloinn  a  bhitheadh  a'  co-fhrea- 
gairt ri  staid  is  ri  an  iarraidh.     So,  a  charaid, 
an  dearbh  ni  a  rinn  Dia  nuair  a  thug  e  dhuinne 
a  thiodhlac  do-labhairt  an  Criosd.     Tha  e  a' 
co-fhreagairt   ri   ar   feum   is    ar   suidheachadh 
mar  pheacaich  chaillte.     Is  maith  an  tiodhlac 
a  tha  co-fhreagairt  ri  feum  no  ri  uireasbhuidh 
a   tha   oirnn.     Ma   tha   sinn   acrach   is   maith 
an    tiodhlac    ani    biadh,    agus    gun    ai'an   gun 
bhiadh  chan  'eil  moran  tairbhe  ann  an  tiodhlac 
sam  bith  eile  ;    chan  'eil  ni  eile  ann  a  chumas 
beo   sinn   mur   a  faigh   sinn   biadh.     Ann   an 
tinneas  is  maith  an  tiodhlac  an  t-slainte  agus 
chan   'eil  ann  an  tiodhlac   eile   ach  neoni  an 
taca   ris    an   sin.     'Se   an   tiodhlac   a   tha   co- 
fhreagairt  ri  ar  feum  fa  leth  a  tha  feumail  is 
luachmhor   aig   an   am.     Tha,   mata,   tiodhlac 
Dhe    ann    an    Criosd   a'    co-fhreagairt   ri    uile 
fheumannan  anam  an  duine.     Bha  sinn  marbh 
ann  am  peacannan  is  ann  an  eu-ceartan  agus 
bheothaich    e    sinn,    agus    thug    e    dhuinn    an 
dearbh  ni  a  bha  dhith  oirnn  .  .  .  beatha,  seadh 
beatha   shiorruidh.     Bha   sinn   fada   air   falbh 
o  Dhia  agus  thug  an  tiodhlac  sinn  am  fagus 
da-fhein  ;     bha   sinn   an   daorsa   agus   thug    e 
Saorsa  dhuinn  ;    bha  sinn  mi-chiiramach  agus 
gun    ghradh    dha-san    agus    rinn    an    tiodhlac 
so  sinn  eudmhor  is  Ian  graidh  is  caomhalachd. 
Tha  an  tiodhlac  so  do-labhairt  'na  thoraidhean 
dhuinne. 

Seadh  agus  de  an  suidheachadh  anns  an 
robh  sinn  nach  do  fhreagair  an  tiodhlac  so 
dhuinn  ?  Ann  an  am  subhachais  is  soir- 
bheachaidh  bha  e  a  naomhachaidh  an  t-s61ais, 
is  a  daingneachadh  an  t-soirbheachaidh  dhuinn  ; 
ann  an  trioblaid  is  an  teanntachd  bha  e  a 
co-fhreagairt  ri  ar  feum  an  uair  sin  ;  ann  am 
bron  is  an  amhghair  bha  e,  is  e  a  bha,  a'  frea- 
gairt  ruinn  an  sin.  Cha  robh  feum  no  suidhea- 
chadh no  staid  anns  an  robh  an  Abstol  ...  no 
sinne  .  .  .  nach  robh  an  tiodhlac  so  a  deanamh 
suas  fheuma.  Tha  e  direach  do-labhairt  ; 
cha  ghabh  e  innse  ann  an  iomlanachd  mar  a 
tha  e  a  freagairt  ris  gach  aon  a  tha  gabhail 
ris  daonnan.  A  charaid  agus  a  bhana-charaid, 
sin  mar  a  fhuair  sinne  e — direach  na  thiodhlac 
do-labhairt  anns  an  doigh  a  tha  e  a'  co-fhrea- 
gairt ri  ar  feum  is  ar  suidheachadh  is  ar  staid 
aig  gach  am  agus  anns  gach  aite. 


2.  Fhaic  thu  cuideachd  mar  a  tha  an  tiodhlac  so 
do-labhairt  anns  an  doigh  'sam  bheil  e 
airidh  air  an  Ti  a  thug  uaith  e. 

Faodaidh  tiodhlac  a  bhi  feumail  agus  frea- 
garrach  air  iomadh  doigh  ach  gun  a  bhi  Ian 
airidh  air  an  neach  a  thug  dhuinn  e.  Dh' 
fhaodadh  caraid  a  bhi  agam  fhein  agus  e  a 
thabhairt  dhomh  tiodhlac  a  tha  feumail  is 
eireachdail  is  maith,  ach  dh'  fhaodainn  a  radh  : 
Tha  an  tiodhlac  so  maith  da  rireadh,  agus 
feumail  dhomhsa,  ach  a  reir  comais  is  suidhea- 
chaidh  mo  charaid  dh'  fhaodadh  e  tiodhlac 
ni  b'  fhearr  a  bhi  air  a  thabhairt  dhomh.  Ach 
chan  urrainnear  so  a  radh  mu  dheidhinn  Dhe, 
thug  e  dhuinn  an  t-aon  tiodhlac  a  b'  fhearr 
a  bha  'na  chomas,  Aon  Mhac  a  ghraidh. 
Tha  an  tiodhlac  airidh  air  an  Dia  neo-chrio- 
chnaichte — airidh  air  an  Ti  as  ro  naoimh,  an 
t-Athair  caomh  bhith-bheo,  bhiththreun  agus 
uile  ghradhach.  Buidheachas  do  Dhia  air 
son  a  thiodhlaic  do-labhairt. 

Tha  cuimhne  agam  a  bhi  leughadh  an  aite- 
eigin  mu  dheidhinn  Prionnsa  Tearlach  nuair 
a  bha  e  fo  an  choill  an  deidh  blar  Chuillodair 
gu'n  robh  e  'na  chleachdadh  aige  a  bhi  toirt 
tiodhlaic  do  neach  sam  bith  a  bha  nochdadh 
coibhneis  agus  deagh-ghean  ris,  agus  b'e 
an  tiodhlac  a  bha  e  daonnan  a  toirt  seachad 
gini  oir.  Bha  e  fo  dheireadh  agus  e  greis  air 
an  allaban  a  faotainn  an  aiseig  o  aon  de  na 
h-eileannan  gu  tir-mor  agus  thubhairt  e  ri 
chompanach  :  chan  'eil  agam  dh'  an  t-saoghal 
ach  aon  ghini  oir  agus  ma  bheir  mi  do'n  fhear- 
aiseig  e  cha  bhi  aon  sgillinn  ruadh  agam. 
Anta,  arsa  a  chompanach,  tha  airgiod  geal 
agam  fhein  agus  bheir  'ur  morachd  dha  e  an 
aite  an  oir.  Stad  am  Prionnsa  car  greiseig 
agus  an  sin  thubhairt  e  :  Cha  tabhair,  ma 
bheir  mise  tiodhlac  idir  seachad  feumaidh 
e  a  bhi  airidh  air  prionnsa,  cha  dean  a  chilis 
ach  an  t-or  ;  bheir  mi  seachad  an  gini  mu 
dheireadh,  agus  shin  e  dha  e. 

A  charaid,  so  an  ni  a  rinn  an  t-Athair  siorr- 
uidh,  an  Dia  uile-chuamhachdach,  thug  e 
dhuinn  an  gini  mu  dheireadh  agus  dealbh  is 
sgriobhadh  an  Righ  air — Aon  Mhac  a  ghraidh. 
Tha  an  tiodhlac  airidh  air  an  Ti  a  thug  dhuinn 
e,  agus  cha  b'urrainn  eadhon  esan  ni  b'  fhearr 
a  thabhairt  dhuinn.  Tha  an  tiodhlac  do- 
labhairt  anns  an  t-seadh  so  cuideachd.  Cha 
b'  ionghnadh  ged  a  theireadh  sinne  maille 
ris  an  Abstol,  mata,  buidheachas  do  Dhia  air 
son  a  thiodhlaic  do-labhairt. 

So  mata,  tiodhlac  a  tha  sonraichte  agus 
eadar-dhealaichte  bho  thiodhlac  'sam  bith 
eile,  tiodhlac  nach  b'  urrainn  neach  sam  bith 
a  thoirt  dhuinn  ach  an  Dia  siorruidh.  Cha 
ghabh  e  labhairt  air  ann  an  iomlanachd  cho 
sonraichte  is  cho  luachmhor  is  a  tha  e — fior 
iomhaigh    an    De    neo-fhaicinnich,    le    dealbh 


AN  TIODHLAC  DO-LABHAIRT 


3 


is  suaicheantas  Dhe  air  ;  agus  e  airidh  air 
Dia  fhein  ann  an  gradh  is  an  trocair  is  am 
morachd  a  chumhachd.  Buidheachas  do  Dhia 
air  son  a  thiodhlaic  do-labhairt. 

3.  Seall  a  nis  a  bhuaidh  a  tha  an  cois  an  tiodhlaic 
do-labhairt  so. 

Tha  buaidh  aige  air  Dia  fhein.  Nuair  a  tha 
mi-fhein  comasach  air  tiodhlac  a  thabhairt 
seachad  do  charaid  no  do  bhana-charaid  tha 
e  ag  cur  aoibhneas  'n  am  chridhe  gu  bheil  e 
'n  am  chomas  sin  a  dheanamh.  Ma  tha  neach 
ann  air  a  bheil  fior  ghaol  agam  agus  e  ann  an 
uireasbhuidh  is  am  feum  agus  gu  bheil  e 
comasach  dhomhsa  ni  a  thabhairt  dha  a  bheir 
fuasgaldh  dha,  tha  e  a  cur  aoibhneis  'nam 
chridhe-sa  gu  bheil  e  'n  am  chomas  sin  a 
dheanamh.  Nach  d'  thuirt  an  Slanuighear 
fhein  :  Tha  e  na  's  beannaichte  ni  a  thoirt  na 
ghabhail.  Agus  tha  e  ag  cur  aoibhneis  an 
cridhe  an  Athar  ghrasmhor  gu  bheil  e  'na 
chomas  fuasgladh  is  furtachd  a  thoirt  do 
chloinn  fhein  agus  iad  an  cruaidh  fheum  aig 
an  namhaid  is  aig  a  pheacadh.  Tha  so  mata, 
an  cois  an  tiodhlaic  do-labhairt,  gu  bheil 
e  a  toirt  aoibhneis  do'n  Ti  a  thug  seachad  e. 
Tha  aoibhneas  an  lathair  Dhe  agus  ainglean 
na  gloire  airson  aon  pheacach  a  ni  aithreachas 
is  a  ghabhas  ris  an  Tiodhlac  do-labhairt.  Tha 
e  do-labhairt  anns  an  t-seadh  anns  a  bheil  e 
toirt  riarachadh  is  aoibhneas  do'n  Athair 
ghlormhor. 

Rud  eile.  Tha  tiodhlac  a  toirt  aoibhneas 
do'n  neach  a  gheibh  e.  Nuair  a  tha  caraid 
no  bana-charaid  a  toirt  tiodhlac  dhuinn  tha 
sin  a  cur  aoibhneas  'n  ar  cridheachan  agus  a 


toirt  riarachadh  dhuinn.  A  charaid,  an  gabh 
e  innse  mar  a  thug  an  tiodhlac  so  riarachadh 
dhuinne  agus  an  t-aoibhneas  naomh  a  thainig 
'na  chois  do  ar  n-anama.  So  cainnt  gach  aon 
a  ghabh  ris  :  Buidheachas  do  Dhia  air  son  a 
thiodhlaic  do-labhairt. 

Tha  a  rithist  tiodhlac  a  toirt  chairdean  na  's 
dliiithe  dha  cheile.  Agus  sibhse  a  bha  fad  as 
thug  e  am  fagus  tre  fhuil  losa  Criosd  ;  thug 
e  sinn  tre  an  tiodhlac  gu  bhi  'n  ar  dliith  chair- 
dean  dha  fhein  ;  'n  ar  mic  is  'n  ar  nigheanan 
do  Dhia.  Tha  a'  bhuaidh  talaidh  so  aig  an 
tiodhlac  ionghantach  so,  saor  thiodhlac  Dhe  ; 
agus  tha  e  do-labhairt  anns  an  doigh  so  cui- 
deachd.  Tha,  agus  chuala  sinn  mu  naimhdean 
a  bha  air  an  deanamh  reidh  ri  cheile  agus  'n 
am  fior  chairdean  le  aon  tiodhlac  a  thoirt 
do'n  neach  eile  ;  agus  tha  an  bhuaidh  so  aig 
saor  thiodhlac  Dhe,  rinn  e  sinne  a  bha  'n  ar 
naimhdean  dha-san  agus  do  chach  a  cheile 
'n  ar  cairdean  is  'n  ar  cloinn  do  Dhia.  Tha 
e  do-labhairt  anns  an  t-seadh  so  cuideachd 
mar  as  maith  a  bha  fhios  aig  Pol,  agus  againne 
a  ghabh  ris  mar  an  ceudna.  A  chairdean 
ionmhuinn,  chan  'eil  cainnt  air  a'  bhuaidh  is 
air  an  luach  is  air  an  eifeachd  a  tha  's  an  tiodhlac 
so  dhuinne  ;  tha  gach  ni  ann  air  am  bheil  sinn 
a  cur  feum  ann  an  tim  agus  anns  an  t-siorr- 
uidheachd. 

"  Tha  agam  ann  an  Criosd  na  tha  m'  anam  bochd  ag 

iarraidh, 
'S  chan  abair  mi  gu  siorruidh  nach  leor  e : 
Tha  an  t-uisg  a'  dol  'na  fhion  ann,  tha  mil  is  bainne 

is  biadh  ann, 
Tha  cridhealas  is  fialachd  is  ceol  ann." 

Buidheachas  do  Dhia  air  son  a  thiodhlaic  do- 
labhairt. 


Gilleasbuig  Mac  Amhkidh,  Ceistear  Eilean  Heisgeir, 

an  Uidhist-a-Tuath 


Le  D.  I.  Mac  Dhuth-sith,  Sollas,  an  Uidhist 


IS  ann  an  eilean  iomallach  Heisgeir,  ochd 
mile  mara  bho  Uidhist,  a  rugadh,  's  a  dh' 
araicheadh,  's  a  shaothraich,  's  a  chaochail 
an  duine  diadhaidh  urramach  so.  Faodaidh 
mi  radh  gur  e  so  am  fear  mu  dheireadh  de  'n 
fheadhainn  a  b'  ainmeile  de  'n  mhuinntir  ris 
an  cainte  'n  an  latha  fein  na  "  daoine."  Bha 
barr  pailt  ann  an  Uidhist  dhiubh  sin,  ri  linn 
Mghr  Mhic  Amhlaidh,  ach  's  math  an  ni  ri 
innseadh  nach  do  theirig  an  seorsa  sin  an 
Uidhist  fathast,  ged  nach  'eil  iad  an  diugh 
cho  fior  ainmeil  's  a  bha  iad  aon  uair. 

Ciod  air  bith  an  t-seirbhis  gus  an  gairm- 
teadh  an  duine  urramach  so  ann  an  eafflais, 
co-dhiu  s  ann  a  sheinn,  no  a  dh'  tirnuigh, 
no  a  labhairt  air  "  ceist,"  no  a  theagasg, 
bha    e    comharraichte    math    orra   uile.     Mar 


sheinneadair,  cha  mhor,  ma  bha  iad  idir  ann, 
a  rachadh  air  thoiseach  air.  Bha  e  cumh- 
achdach  ann  an  urnuigh  ;  agus  ann  an  labhairt 
air  "  ceist,"  bha  e  air  a  mheas  leo-san  a  b' 
urrainn  breith  cheart  a  thoirt,  nach  robh 
neach  ann  a  rachadh  air  thoiseach  air  ;  agus 
ann  an  ceann  teagaisg,  bha  e  air  a  mheas 
tomadach,driiidhteach,agus  soisgeulach,  ionnus 
nach  robh  neach  riamh  a  chuala  e  a  b'  urrainn  a 
chomhairlean  dileas  druidhteach  a  dhi-chuimh- 
neachadh. 

Cha  robh  neach  riamh,  sean  no  6g,  ann  an 
eaglais  no  ann  an  tigh-coinneimh,  no  air 
an  raon  fhosgailte,  aig  am  comanachaidh, 
no  aig  am  sam  bith  eile,  nach  deanadh  toileach- 
adh  ri  Gilleasbuig  Mac  Amhlaidh  fhaicinn 
's  a'  chuideachd,  le  fhalt  fada  geal,  's  le  gnuis 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


anns  an  robh  faoilt  agus  maise  na  naomhachd 
a'  nochdadh  gu  soilleir. 

'Nuair  a  dh'  eireadh  e  an  ceann  a  dhreuchd 
bhiodh  gach  neach  's  an  lathair  duilich  gu'n 
sguireadh  e,  's  mar  sin  bha  ainm  is  iomradh 
is  cliii  an  duine  choir  fad  is  farsuinn.  Bha 
boireannach  gasda  posda  aige,  Mor  Bhoyd,  de 
theaghlach  coir,  agus  bha  teaghlach  coir 
aca  a  fhuair  togail  ro-nihath,  ach  chaidh  am 
fiosrachadh  gu  trom  agus  gu  goirt  leis  a' 
bhas,  m'  an  do  chaochail  iad  fein,  ach  tha 
cuid  de  'n  teaghlach  a  lathair  fathast, 

Chaochail  Gilleasbuig  Mac  Amhlaidh  an 
toiseach,  agus  greis  'na  dheidh  sin,  chaochail  a 


bhean.  Bha  ise  'na  cuideachadh  agus  'na 
ciil-taic  mhor  d'a  companach  anns  a'  h-uile 
rathad  am  fad  's  a  bha  iad  comhla.  Chaith  an 
duine  caomh  so  beatha  eiseimpleireach  ann 
an  dleasdanas  na  diadhaidheachd  air  an 
talamh,  agus  chaochail  e  Ian  de  laithean  agus 
de  dheagh  thoradh,  oir  ghluais  e  maille  ri 
Dia,  is  chan  'eil  e  ann,  oir  thug  Dia  leis  e  gu 
bhi  faotainn  seilbh  anns  an  t-suaimhneas, 
agus  anns  a'  ghaol  shiorruidh  a  chaidh  thar 
gach  uile  eolas. 

"  Cuimhn'  is  iomradh  math  a  chaoidh 
Bidh  air  an  fhirean  choir." 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


UAIR  a  chaidh  fear  de  mhuinntir  Lios- 
mor  gu  margadh  an  Obain  chaill  e  a 
choguis.  Cha  d'  fhaii'ich  e  gu'n  do  chaill 
e  i  gus  an  robh  an  t-each  reicte,  agus  an  robh 
an  t-am  aige  dol  sios  do'n  bhata  a  ghabhail 
an  aiseig  dhachaidh. 

Thubhairt  aon  no  dha  ris  gu'm  b'  fhearr 
dha  tilleadh  air  ais  a  shire  adh  na  coguis  a 
chaill  e  ;  gu'm  b'  fhearr  dha  an  Lochearn  a 
chall  seach  a  choguis. 

Bha  e  an  iom-chomhairle  mionaid  no  dha, 
ach  an  sin  leum  e  air  bord  cho  aotrum  ri  balach, 
ag  radh,  "  Leigidh  mi  leatha  ;  tha  mi  an  duil 
gu  bheil  e  cho  maith  leam  a  bhi  as  a  h-eug- 
•mhais."  Cha  dubhairt  each  diog,  ach  an 
deidh  dhaibh  dol  dhachaidh  thug  iad  an  aire 
gu'n  d'  fhas  ceum  an  fhir  a  chaill  a  choguis 
na  b'  aotruime  na  bha  a  o  chionn  fichead 
bliadhna.  A  reir  choslais  dhichuimhnich  e 
an  call  a  thainig  air,  is  cha  robh  duine  ann  an 
Lios-mor  a  bu  shunndaiche  na  e. 

An  uair  a  rachadh  coimhearsnaich  air 
cheilidh  air,  b'e  an  aon  seanchas  a  bhiodh  aige, 
an  t-aotrumachadh  inntinn  a  fhuair  e  o'n 
la  a  chaill  e  a  choguis,  agus  an  t-aotrumachadh 
cuirp  a  fhuair  e  o'n  la  a  thugadh  as  an  appendix. 
"  An  laithean  m'  oige,"  theireadh  e  riu, 
"  bha  mo  shith  air  a  milleadh  gu  buileach  le 
m'  choguis  ;  bhitheadh  i  'g  am  bhioradh  agus 
'g  am  chriomadh  gun  sgur  ;  anns  an  oidhche 
fhein  cha  leigeadh  i  tamh  leam,  ach  'g  am 
cheasnachadh  mar  gu'm  biodh  fear-lagha,  a' 
feoraich  dhiom  car  son  a  rinn  mi  sud,  no  car 
son  nach  do  rinn  mi  so.  Cha  robh  saorsa 
idir  agam  ;  na  'm  bithinn  a'  dol  a  dh'  ionnsuidh 
na  Faidhreach  MuiUch,  no  gu  bal  ann  an 
Diiror,  agus  e  'n  am  bheachd  mo  shath  a 
ghabhail  de  na  toil-inntinnean  a  gheibhear  air 
comhdhailean  de'n  t-seorsa  sin,  cha  leigeadh 
mo  choguis  aon  mhionaid  as  a  sealladh  mi,  is 
bu  cho  maith  leam  mo  mhathair  agus  am 
ministear  agus  am  maighstir-sgoil  a  bhi  comhla 
rium.     Ach    an    diugh    chan    'eil   mi    air   mo 


cheangal  le  teadhair  no  le  cipean ;  o'n  la 
a  chaill  mi  mo  choguis  faodaidh  mi  mo  rogh- 
ainn  a  dheanamh  gun  chompanach  agam  a 
bbios  a'  faotainn  coire  dhomh." 

H:  4:  4:  :f:  ^  ^< 

Air  la  margaidh  tha  aite-feille  Chorsoin  cho 
Ian  puill  's  nach  biodh  e  furasda  dhuit  ulaidh 
fhaicinn  anns  a'  pholl  ged  bhiodh  an  ulaidh 
sin  na  bu  deai-rsaiche  agus  na  bu  ghloine  na 
coguis  an  Liosaich.  Bha  a'  choguis  a  chaill  e 
cho  meirgeach  agus  cho  salach,  le  cion  sgiir- 
aidh,  's  gu'n  deachaidh  na  ficheadan  agus  na 
ceudan  seachad  oirre  fad  an  la  gun  a  faicinn, 
gus  an  do  thog  balach  as  an  Apuinn  an  rud 
neonach  ud  a  chunnaic  e  anns  a'  pholl,  balach 
a  bha  air  a  chur  do'n  Oban  le  mhathair  a 
bhuachailleachd  athar  air  la  a'  mhargaidh. 

Ach  a  dh'  aindeoin  buachailleachd  a'  bhal- 
aich  cha  b'  urrainn  dha  athair  a  chumail  as  na 
tighean-osda,  is  ged  nach  robh  an  dubh- 
dhaorach  air  bha  ceo  agus  tuainealaich  'n 
a  cheann. 

Shin  am  balach  dha  a'  choguis  a  thog  e  as 
a'  pholl,  "  Athair,"  ars'  esan,  "  a  bheil  fhios 
agaibh  ciod  a  tha  an  sin  ?  " 

Ghlac  an  duine  a  choguis  eadar  a  chorrag 
agus  ordag,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  rinn 
e  sin  thug  e  leum  as,  oir  chaidh  saighead 
troimh  fheoil  agus  fheithean  agus  a  chridhe 
mar  gu'm  biodh  gath  dealanaich. 

B'e  an  t-aobhar  nach  deachaidh  gath  no 
goirisinn  ann  am  feoil  a'  bhalaich,  an  uair  a 
laimhsich  e  a'  choguis  a  fhuaradh  anns  a' 
pholl,  gu  robh  a  choguis  fein  beo  agus  fallain 
'n  a  chom,  ach  ma  chailleas  duine  a  choguis 
agus  gu'm  faigh  e  coguis  eile  air  dhoigh  air 
bith,  tha  a'  bhuaidh  sin  aice  daonnan,  gu'n 
toir  i  air  clisgeadh  agus  leum  as  a  sheasamh 
mar  gu'n  rachadh  peilear  ann.  Mar  sin  bha 
an  leum  a  thug  tuathanach  na  h-Apuinn  as 
'n  a  chomharradh  cinnteach  gu'n  do  chaill 
esan  a  choguis  cuideachd,  mar  is  trie  a  tha 
tachairt  do  dhaoine  a  bhios  ag  61. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Ach  mar  a  thubhairt  mi  cheana  cho  luath 
's  a  chuir  am  balach  an  ulaidh  ud  'n  a  laimh 
chaidh  saighead  'n  a  chridhe,  is  uidh  ar  n- 
uidh  thainig  e  thuige  fein. 

Thainig  a  chiall  agus  a  chuimhne  agus  a 
mheomhair  air  an  ais,  agus  an  sin  thoisich 
dealbh  as  deidh  deilbh  air  leum  fa  chomhair 
inntinn  ;  bha  e  a'  faicinn  athar  agus  a  mhathair 
air  an  gliiinean  ag  urnuigh,  ach  m'an  gann 
a  thainig  iad  fa  chomhair  gu  ceart,  chunnaic 
e  e-fhein  agus  biiidsear  a  Meadar-loch  a' 
dol  a  steach  do  thigh-osda  anns  a'  Chon- 
ghail — a'  cheud  uair  a  chaidh  e  riamh  a 
dh'  61 — -agus  Catriona  a  bhean,  shuas  air 
mullach  Chruachain  a'  caoineadh,  an  glasadh 
an  latha  ;  ach  m'  am  b'  urrainn  e  a  thuigsinn 
ciod  a  bha  i  a'  deanamh  air  mullach  Chruachain 
aig  an  am  ud,  agus  fhios  aige  gu  robh  i  dluth 
air  a  bhi  air  a  leaba-shiiibhla,  leum  i  agus 
a'  chlann  uile  'n  a  h-uchd  a  null  gu  Beinn 
Shianta,  an  Aird-nam-murchann,  far  an  robh 
e  air  an  daoraich  deich  laithean,  eadar  Cille- 
Chomhghain  agus  Tobar-mhoire,  a'  bhliadhna 
a  chaidh  e  f  hein  agus  Rob  Mac  Phail  a  cheann- 
ach  ghamhna  an  Ath-tharcail  ;  an  ath 
mhionaid  an  aite  a  bhi  sealltuinn  air  a  mhnaoi 
air  mullach  Beinn  Shianta  chunnaic  e  e 
fein  a'  dol  fodha  aig  ceidhe  an  Obain,  agus 
balaich  an  Obain  uile  agus  an  Siorram  air 
an  ceann  a'  glaodhach,  "  Bathaibh  e,  Bathaibh 
e  ;  "  ach  am  priobadh  na  siila  bha  e  'n  a  Ian 
fhaireachadh  'n  a  shuidhe  ann  an  Ciiirt  an  t- 
Siorraim,  far  nach  robh  duine  beo  ach  e  fhein 
agus  Guth,  Guth  nach  robh  a'  fuireach  leth- 
mionaid  anns  an  aon  aite,  agus  nach  robh  a' 
deanamh  fuaiin  idir,  ged  bha  esan  'g  a  chluinn- 
tinn  mar  gu'm  biodh  tairneanach  ann.  Ach 
rud  a  b'  iongantaiche  leis  air  fad  bha  e  'g  a 
f  haicinn  fein  ann  an  da  aite  ;  b'  e  fein  am  prios- 
anach  agus  b'  e  fein  am  breitheamh,  agus 
gun  uiread  agus  fianuisean  a  ghairm  chual 
e  an  Guth  'g  a  dhiteadh,  agus  a  ghuth  fein 
ag  radh,  agus  e  a  nis  'n  a  shuidhe  'na  thigh 
fein,  "  Is  duine  truagh  mi  ;  c6  a  shaoras  mi 
o  chorp  a'  bhais  so  ?  " 

Bha  e  mar  sin  da  mhios,  a'  caoineadh  agus 
ag  ochanaich,  is  bha  diiil  aig  daoine  gu  robh 
e  air  a  dhiisgadh  agus  nach  b'  fhada  gus  am 
biodh  e  air  iompachadh,  ach  cha  b'  e  bron 
diadhaidh  a  bha  'na  chridhe  idir  ach  eagal 
ifrinn  agus  breisleach  a'  mhisgeir,  agus  mar 
sin  a'  cheud  la  a  chaidh  e  fhein  agus  a  chom- 
panaich-oil  air  an  ais  do'n  Oban  chuir  e 
roimhe  gu'n  tilgeadh  e  bhuaith  a  choguis  air 
ghaol  a  shaorsa  agus  a  shonas  fhaotainn  air 
ais  aon  uair  eile. 

Is  ann  mar  sin  a  bha.  Chaidh  e  fhein  agus 
triuir  thuathanach  eile  as  an  Apuinn  a  steach 
do'n  tigh-osda  ris  an  abrar  "  Na  h-Iuchraichean 
Oir,"  agus  m'an  tainig  iad  a  mach  as  fhuair 
e  cothrom  air   a  choguis   a  thilgeadh  air  ciil 


a'    chuntair,  'nuair   nach  robh  an  t-6sdair  a' 
sealltuinn  air. 

Cha  do  thachair  dad  eile  an  la  ud,  ach  an 
ath  mhaduinn,  an  uair  a  bha  Seoras  Mor  Mac 
Thomais,  an  t-6sdair,  a'  sguabadh  an  iirlair, 
faicear  rud-eigin  a'  dearrsadh  ann  an  oisean 
an  t-seomair.  Chrom  e  a  thogail  an  ruid, 
ach  a  cheart  cho  luath  's  a  bhean  e  dha  chaidh 
mile  saighead  ann  mar  gu'm  biodh  cadal- 
deilginneach  anns  a  h-uile  mir  d'a  fheoil. 

An  sin  thoisich  e  air  seallaidhean  fhaicinn 
a  bha  cho  neonach  's  nach  robh  fhios  aige  co 
dhiu  a  bha  e  'g  am  faicinn  le  a  shiiil  chorporra 
no  a'  bruadar,  ach  bha  iad  cho  soilleir  fa 
chomhair  's  gu'n  dubhairt  e  r'a  mhnaoi  gu 
robh  e  air  an  dara  sealladh  fhaotainn  ;  "  rud," 
ars'  esan,  "  a  tha  diithchasach  dhomh." 

Sheall  a  bhean  air  gu  dur,  agus  i  a'  feuchainn 
ri  thuigsinn  ciod  a  chuir  air  aimhreit  e. 

"  Cha  leig  thu  a  leas  a  bhi  sealltuinn  orm 
cho  diir,"  ars'  esan  ;  chan  e  sin  a  tha  cearr 
orm  idir,  ach  ar  leam  gu  bheil  mi  a'  faicinn  mar 
gu'm  biodh  reiseamaid  de  thamhaisg  eadar 
mi  agus  an  Ceidhe,  agus  cair  air  aodann  a 
h-uile  fir  dhiubh  rium,  mar  gu'm  bu  mhise  a 
b'  aobhar  nach  'eil  iad  fhathast  anns  an  fheoil." 

An  ceann  greis  chaidh  buidheann  de  sgioba 
bata  a  bha  aig  a'  cheidhe  a  steach,  is  dh'  iarr 
iad  canna  leanna  am  fear  air,  ach  an  aite  an 
leann  a  thoirt  dhaibh  thoisich  e  air  a  h-uile 
botul  a  bha  air  na  sgeilpichean  a  bhriseadh, 
is  chomhairlich  e  dhaibh  leann  agus  uisge- 
beatha  a  sheachnadh. 

Sheall  na  seoladairean  air  an  duine  na  bu 
diiire  na  sheall  a  bhean  air,  is  thubhairt  iad 
le  aon  ghuth  gu  robh  e  as  a  chiall.  Ach  ma 
bha  e  as  a  chiall,  cha  robh  coltas  na  mi-cheille 
air  an  ath  ghniomh  a  rinn  e. 

Chruinnich  e  ceart  comhla  a  h-uile  paisde 
anns  an  Oban  a  bha  gun  aodach  no  gun  bhrogan, 
is  thug  e  biadh  is  aodach  is  cas-bheairt  dhaibh. 

Cha  do  reic  e  deur  uisge-bheatha  fad  an 
la,  ach  ged  nach  do  reic  cha  do  chuir  sin  dragh 
air  mar  a  dheanadh  e  uair-eigin,  is  cha  luaithe 
a  leag  e  a  cheann  air  a'  chluasaig  na  chaidil  e 
cho  seimh  agus  cho  trom  ri  leanabh,  is  cha 
do  smoislich  e  gus  an  robh  a'  ghrian  an  aird 

an  adhair. 

****** 

Ghabh  bean  Sheorais  Mhoir  eagal  gu'n 
tigeadh  iad  gu  bochdainn  na'n  rachadh  Seoras 
air  aghaidh  a'  biathadh  clann  an  Obain  agus 
ag  iarraidh  air  daoine  stad  de'n  uisge-bheatha. 
Mar  sin,  an  uair  a  chunnaic  i  cho  trom  's  a 
bha  e  'n  a  chadal  ghabh  i  fath  air  a  phocanna 
a  shiubhal,  gus  a  choguis  a  chur  as  an  t-sealladh 
m'  an  eireadh  e.  Air  eagal  gu'n  cuireadh  i 
cadal-deilginneach  'n  a  feoil  fhein  cha  bheanadh 
i  rithe  le  a  meuran,  agus  is  ann  leis  a'  chlobha 
a  thilg  i  mach  air  an  t-sraid  i. 


ANNS  'A  CHOILLE  BHEITHE— ANNS  A'  CHATHAIR 


Co  a  bha  dol  seachad  aig  an  am  ach  bannal 
cheard  a  Tigh-an-uillt  agus  iad  a'  dol  a  mach 
do  na  h-eileanan  air  cheann  an  gnothuich. 
Thairg  bean  an  osdair  tasdan  dhaibh  na'n 
togadh  iad  an  rud  a  bha  air  an  t-sraid,  agus 
na  'n  tilgeadh  iad  a  mach  e  air  ciil  Chearara. 

Thubhairt  iad  rithe  nach  cuireadh  iadsan 
corrag  air  rud  nach  robh  fhios  aca  ciod  a  bha 
ann. 

"  Ma  bu  mhaith  leibh,"  ars'  ise  gu  cas, 
"  fhios  a  bhi  agaibh  ciod  a  tha  ann,  tha  ann 
ulaidh  air  a  bheil  mor-fheum  agaibhse,  ulaidh 
a  bheir  oirbh  an  fhirinn  innseadh  co  dhiu 
a  tha  sibh  air  a  shon  no  nach  'eil." 


"  Seasaibh  air  'ur  n-ais,  a  chlann,"  ars  an 
ceard-mor,  "  agus  na  beanaibh  ris  an  rud 
chunnartach  air  son  an  t-saoghail  ;  b'e  sin 
dhuinne  ar  coir-bhreith  a  reic  air  neo-ni," 


Chan  urrainn  mi  innseadh  c'  aite  an  d' 
fhuair  a  choguis  a  chaill  an  Liosach  dachaidh 
bhuan  mu  dheireadh,  ach  ma  bha  coltas 
neonach  oirre,  bu  neonaiche  na  sin  a'  bhuaidh 
so  a  bha  innte,  gu'm  fasadh  na  daoine  a  ghabh- 
adh  rithe  aotrum  agus  sona,  agus  gu'm 
fasadh  an  fheadhainn  a  bha  as  a  h-eugmhais 
a  cheart  cho  aotrum  agus  cho  sona. 


Anns  a'  Chathair 


Ma  theid  na  bunaitean  air  dhith 

THA  cuimhne  agaibh  air  an  f hacal  a  sgriobh 
an  Salmadair,  "  Ma  sgriosar  na  bunaitean, 
ciod  a  ni  am  firean  ?  "  (xi  3).  Bha  diiil  agam 
gu'n  cuireadh  duine-eigin  na  briathran  sin 
an  cuimhne  na  h-eaglais  anns  an  t-seanchas 
a  tha  dol  air  aghaidh  o  chionn  mios  no  dha 
mu  chraobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  an  diith- 
channa  cein,  ach  cha  chuala  mi  is  chan  fhaca 
mi  gu'n  d'  thug  aon  neach  tarruing  orra,  ged 
tha  iad  a'  dol  gu  bun  a'  ghnothuich. 

Tha  an  eaglais  air  dol  ann  an  ainbheach 
trom  (£67,000)  le  bhi  giiilan  air  aghaidh  oibre 
anns  na  tirean  thall  a  tha  a'  cosd  barrachd 
airgid  na  tha  an  sluagh  a'  toirt  dhi  ;  tha  i  a' 
cur  a  mach  corr  agus  fichead  mile  punnd 
Sasunnach  a  h-uile  bliadhna  na  's  mo  na  tha 
1  a'  toirt  a  steach.  Chan  fhaodar  sin  a  leigeil 
air  aghaidh  ;  feumar  crioch  a  chur  air,  an  aon 
doigh  no  an  doigh  eile. 

Car  son  nach  'eil  an  sluagh  a'  toirt  na  dh' 
fhoghnas  a  dh'  airgiod  air  son  na  h-oibre  so  ? 
An  e  nach  urrainn  dhaibh,  a  chionn  nach  'eil 
airgiod  aca  ?  Chan  e  idir  ;  cha  robh  uiread 
airgid  riamh  an  Albainn  's  a  tha  ann  an  diugh. 
An  e  gu  bheil  an  eaglais  a'  gabhail  os  laimh 
tuilleadh  's  a  choir  an  Africa,  an  China,  agus 
anns  na  h-Innsibh  an  Ear.  Chan  e  na  's  mo. 
Ciod  an  t-aobhar,  ma  ta,  nach  'eil  buill  na 
h-eaglais  na  's  fialaidhe  na  tha  iad  a  thaobh 
craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil } 

Chan  'eil  Cleir  an  Albainn  anns  nach  robh 
deasbud  air  a  dheanamh  mu'n  chtiis  sin,  ach 
cha  chualas  duine  idir  ag  radh  dad  mu  na 
bunaitean  a  tha  dol  air  dhith. 

Gus  o  chionn  ghoirid  cha  robh  ach  gle 
bheag  de  dhaoine  an  Albainn  a  chuireadh 
teagamh  anns  an  da  rud  so, 

(1)  gu  robh  anmanna  neo-bhasmhor  a' 
dol  gu  truaighe  shiorruidh  mur  cluinn- 
eadh  iad  an  soisgeul. 

(2)  gur  e  dleasdanas  chreidmheach  umhlachd 
a  thoirt  do  fhacal  Chriosd  (gun  a  bhi 


a'  reusonachadh  uime  idir).  "  Imichibh 
air  feadh  an  t-saoghail  uile  agus  sear- 
monaichibh  an  soisgeul  do  gach  diiil." 

Sin  na  bunaitean  air  an  robh  craobh-sgaoil- 
eadh an  t-soisgeil  air  a  steidheachadh  an  laith- 
ean  m'  oige,  agus  b'  e  sin  na  h-argumaidean  a 
bhithinn  fhein  a'  cleachdadh  an  uair  a  thoisich 
mi  air  searmonachadh  an  toiseach. 

Ach  tha  na  bunaitean  sin  air  dol  air  dhith, 
agus  cha  d'  fhuair eas  dad  eile  a  chuirear  'n 
an  aite,  co  dhiu  dad  eile  a  bheir  air  daoine 
a  bhi  cho  diirachdach  agus  cho  dealasaeh 
ann  an  craobh-sgaoileadh  an  t-soisgeil  's  a 
bu  choir  dhaibh  a  bhith. 

****** 

Chan  'eil  duine  as  an  fhichead  a'  creidsinn 
gu  bheil  cor  nan  cinneach  aig  uair  am  bais 
dad  na  's  miosa  na  cor  nan  Criosduidhean  ; 
their  iad  riut  gu  bheil  creideamh  an  aithrichean 
aca,  agus  ma  tha  iad  a'  gluasad  a  reir  an  t-soluis 
a  tha  aca,  nach  iarr  Dia  an  corr  orra.  Their 
iad  nach  ann  idir  air  bhonn  spioradail  a  tha 
an  eaglais  an  diugh  ag  iarraidh  dhaoine  agus 
ag  iarraidh  airgid,  a  chuireas  i  a  mach  do 
dhiithchanna  cein  ach  air  bhonn  saoghalta  ; 
a  'chionn  gu  bheil  na  missionaraidhean  a' 
toirt  do  na  duthchanna  sin  da  rud  ris  an  abrar 
anns  a'  Bheurla  civilization  agus  education, 
no  oilean  ;  da  rud  as  an  robh  sinn  uile  cinnteach 
aon  uair  gur  e  beannachdan  priseil  a  tha  annta, 
ged  tha  amharus  aig  moran  dhaoine  an  diugh 
gur  iad  a  tha  cur  air  aimhreit  an  t-saoghail. 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a'  gabhail 
taobh  nan  daoine  a  tha  a'  deanamh  dearmaid 
air  obair  an  t-soisgeil  thar  chuantan  a  tha  mi  ; 
chan  ann  idir  ;  chan  'eil  fodham  ach  so  a 
radh,  nach  e  cion  airgid,  no  cion  coguis,  no 
cion  suime,  as  aobhar  nach  'eil  a'  mhor-chuid- 
eachd  ag  eisdeachd  ris  gach  gairm  is  glaodh 
a  tha  tighinn  thuca  bho  121  Sraid  Dheorsa  ; 
is  e  an  fhior  aobhar  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  'n 
an  cridhe  gu  bheil  so  'na  chall  air  bith  do  na 
cinnich.     Agus  chan   'eil  iad  a'  clui?intinn   ann 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


an  cubaidean  na  h-eaglais  an  diugh  dad  a  chuireas 
as  am  heachd  iad. 

An  la  roimh  leugh  mi  ann  an  Miosachan 
araidh  na  beachdan  a  tha  aig  diadhair  mor 
nach  ruig  mi  a  leas  ainmeachadh  air  obair 
shoisgeulach  an  duthchanna  cein.  Bha  e  a' 
gearan  gu  bheil  na  Comuinn  a  tha  cur  air 
aghaidh  na  h-oibre  sin  (anns  a  h-uile  eaglais) 
ro  chumhann  'n  am  beachdan  agus  a'  cur 
tuilleadh  's  a  choir  de  chudthrom  air  calldachd 
dhaoine  a  bhasaicheas  gun  eolas  air  Criosd. 

Thubhairt  e  cuideachd  nach  robh  e  ceart  a 
bhi  ag  uisneachadh  na  h-argumaid  so  (argumaid 
a  dh'  uisnich  mise  iomadh  uair),  gu  bheil  facal 
Chriosd  a'  cur  crioch  air  gach  uile  chonnsachadh 
mu  ar  dleasdanas,  "  Imichibh  air  feadh  an 
t-saoghail  uile  agus  searmonaichibh  an  soisgeul 
do  gach  duil,"  a  chionn  nach  d'  thubhairt 
Criosd  am  facal  ud  idir.  Sheall  mi  ann  an 
leabhar  an  Ollaimh  Seumas  Moffat,  feuch 
ciod  a  tha  esan  ag  radh  uime,  ach  cha  ruiginn 
a  leas  an  dragh  a  chur  orm  fein  oir  dh'  fhaod- 
ainn  fhios  a  bhi  agam  ciod  a  theireadh  esan. 
Tha  e  ag  radh  nach  e  facal  Chriosd  a  tha  ann 
idir  ach  "  inntinn  na  h-eaglais  an  deidh  laimhe." 
Sin  mar  tha  na  bunaiteann  a'  dol  air  dhith  ; 
chan  'eil  ann  dhuinn  ach  fein-mhealladh  a 
bhi  an  diiil  nach  'eil  an  Sgoilearachd  Nodha  a' 
cladhach  fo  steidh  a'  Bhiobuill,  agus  a'  toirt 
iighdarrais  bhuaith.  Agus  bha  cho  maith 
dhuit  dol  a  dh'  iarraidh  bainne  bho  mhart 
seasff  ri  dol  a  dh'  iarraidh  airffid  air  son  obair 


shoisgeulach   air  duine  nach   'eil   a'   creidsinn 
anns  a'  Bhiobull. 

Is  e  na  bunaitean  air  an  steidhicheadh  an 
diadhair  a  dh'  ainmich  mi  obair  shoisgeulach 
am  measg  nan  cinneach, 

(1)  gu  bheil  an  soisgeul  a'  cur  air  aghaidh 
civilisation  anns  gach  aite  a  ruigeas  e, 

(2)  gur  e  an  Creideamh  Criosduidh  an 
creideamh  as  airde  am  measg  gach 
creideamh  eile  a  tha  anns  an  t-saoghal. 

Tha  an  da  rud  sin  fior,  ach  ma  tha,  chan  ann 
air  bunaitean  de'n  t-seorsa  sin  a  thogar  eaglais 
Chriosd.  Co  am  missionaraidh  riamh  a  chaidh 
a  mach  an  ainm  civilization,  no  c6  a  leanas  air 
airgiod  a  thoirt  do'n  eaglais  air  son  na  h-oibre 
so  a  chionn  gur  e  an  Creideamh  Criosduidh 
creideamh  as  airde  anns  an  t-saoghal  }  Tha 
missionaraidhean  a'  dol  a  mach  air  feadh  an 
t-saoghail  a  chionn  gu  bheil  gradh  Chriosd 
'g  an  co-eigneachadh  ;  tha  a'  cheart  aobhar 
'g  an  cur  do  Shina  agus  do'n  Afric  a  thug 
Criosd  fein  o  neamh  gu  talamh,  "  a  shireadh 
agus  a  thearnadh  an  ni  a  bha  caillte."  Chan 
ann  mar  bhean-chuideachaidh  do  Civilisation 
a  bu  choir  dhuinn  a  bhi  smuaineachadh  air 
soisgeul  Chriosd  ach,  "  mar  chumhachd  Dhe 
a  chum  slainte." 

Ma  theid  na  bunaitean  air  dhith  le  as- 
creideamh  no  le  cion  teagaisg  fallain  faodaidh 
an  eaglais  airgiod  iarraidh,  ach  chan  fhaigh  i  e. 


Aig  an  Uinneig 


THUBHAIRT  Frangach  uair-eigin  gur  ann 
mar  a  b'  eolaiche  e  air  daoine  a  b'  fhearr  leis 
coin.  Chan  fhearr  leam-sa  coin  na  daoine, 
ach  air  a  shon  sin  is  toigh  leana  a  bhi  cluinntinn 
naidheachdan  beaga  laghach  mu  choin,  air 
a  bheil  dreach  na  firinn  ;  rud  nach  'eil  orra 
daonnan.  Ma  tha  naidheachd  de  'n  t-seorsa 
sin  aig  duine  air  bith  a  bhios  a'  leughadh  nan 
duilleagan  so  mun  chU  aige  fhein,  agus  ma 
chuireas  e  chugam  i,  leigidh  mi  a  dreach  an 
urra  ris  an  luchd-leughaidh. 

Ach  bheir  mi  fein  dhuibh  a'  cheud  te,  is 
tha  e  a'  toirt  am  barrachd  toileachaidh  dhomh 
a  h-innseadh  a  chionn  gur  ann  mu  Alsatian 
a  tha  i  ;  seorsa  chon  nach  toigh  learn  idir. 
An  uair  a  leugh  mi  an  naidheachd  so  ann  am 
paipear  Sasunnach  an  la  roimh  bha  i  mar 
gu'n  cuireadh  tu  eibhlean  guail  air  mo  cheann, 
is  chuimhnich  mi  le  naire  air  a  liughad  droch 
fhacal,  agus  breith  luath  lochdach  a  thug  mi 
air  coin  Alsatia. 

"  Air  maduinn  Di-ciadaoin  chaidh  paisde 
beag,  Gordon  Morris,  tri  bliadhna  a  dh'  aois, 
a  mach  a  tigh  athar,  agus  gun  comhla  ris 
ach  an  cii,  peata  Alsatianach  d'  am  b'  ainm 


Beataidh.  Bha  diiil  aig  muinntir  an  tighe 
gu'n  tigeadh  iad  air  an  ais  a  h-uile  mionaid, 
ach  'nuair  a  bha  an  iiine  a'  dol  seachad,  ghabh 
iad  eagal  gu  robh  rud-eigin  cearr,  is  thoisich 
iad  air  siubhal  thall  's  a  bhos.  Thainig  am 
feasgar  agus  gun  sgeul  air  a'  phaisde  no  air 
a'  chu.  An  sin  chaidh  an  torachd  a  mach  ; 
coimhearsnaich,  di'obh  chonastabal,  agus  daoine 
eile,  a  chuala  gu  robh  am  paisde  air  chall, — 
lean  iad  orra  fad  na  h-oidhche,  sios  is  suas  an 
ciil-shraidean  a'  bhaile  agus  a  mach  air  an 
diithaich  os  cionn  a'  bhaile.  Aig  coig  uairean 
's  a'  mhaduinn  fhuaradh  am  balach  ann  an 
achadh  an  taobh  a  mach  de  'n  bhaile,  'na 
shuain  chadail,  agus  an  cii  'na  shineadh  'na 
chuairteig  timchioll  air,  mar  gu'm  biodh  e 
a'  feuchainn  ri  chumail  blath.  Cha  robh  e 
furasda  do  na  conastabail  a  fhuair  e  dol  dluth 
do'n  phaisde,  oir  chuireadh  an  cii  draoin  air 
is  dh'  eireadh  fhionna  a  h-uile  uair  a  dh' 
fheuchadh  iad  ri  breith  air  a'  phaisde,  ach  mu 
dheireadh  thuig  e  nach  ann  a  dheanamh  cron 
air  a  thainig  iad.  Bha  am  balach  air  a  lathadh 
leis  an  fhuachd,  fada  gun  bhiadh  is  sgith  le 
caoineadh,  is  thugadh  a  steach  e  do'n  ospadal 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


ann  an  Hull.  Ach  cha  dealaicheadh  an  cii 
ris  ;  shuidh  e  air  anj  fheur  air  beulaobh  an 
doruis  is  cha  rachadh  e  dhachaidh.  Bha  e  an 
sin  gus  an  deachaidh  am  balach  na  b'  fhearr, 
an  dorsair  agus  na  banaltruman  oga  a'  toirt 
bidh  dha." 

Na  h-Eirionnaich 

Tha  e  air  a  radh  [gur  e  "  fuil  "  agus 
"  cainnt  "  an  da  bhann  is  laidire  air  an  t- 
saoghal  ;  gur  e  na  bannan  sin  a  tha  a'  ceangal 
rioghachdan  ri  cheile,  agus  nach  'eil  rioghachd 
air  bith  f  ior  dhiongmholta  mur  bheil  an  sluagh 
de  'n  aon  stoc  agus  an  aon  fhuil  annta,  agus 
mur  bheil  an  aon  chainnt  aca.  Ma's  fior  na 
tha  luchd-eachdraidh  ag  radh  tha  an  da  bhann 
laidir  sin  eadar  na  Gaidheil  agus  na  h-Eirionn- 
aich, ach  ma  tha,  chan  'eil  gaol  eatorra  is 
cha  toigh  leo  a  cheile  idir.  Ann  an  cearn  air 
bith  de'n  Ghaidhealtachd  chan  'eil  agad  ach  a 
radh  mu  dhuine,  "  Nach  e  'n  t-Eirionnach  e  !  " 
is  tuigear  gu  maith  ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh. 

Tha  e  cho  soilleir  gu  bheil  cairdeas-cainnte 
eadar  na  Gaidheil  agus  na  h-Eirionnaich  's 
nach  ruigear  a  leas  an  corr  a  radh  uime,  ach 
gu  cead  an  luchd-eachdraidh,  theirinn-sa 
nach  'eil  e  idir  cho  soilleir  gu  bheil  cairdeas- 
fala  eatorra.  Ma  bha  e  riamh  ann,  tha  e  an 
diugh  cho  fad  a  mach  's  nach  'eil  aobhar  air 
bith  a  bhi  'g  a  aideachadh,  no  'g  a  chumail  suas. 

Tha  e  duilich  a  radh  an  diugh  ciod  an  fhuil 
a  tha  ann  an  duine  air  bith,  oir  chan  fhaighear 
stoc  glan  ach  gle  annamh,  ach  tha  seorsa 
dhaoine  ann  an  Eirinn  aig  a  bheil  Gaidhlig 
a  tha  cho  tur  dhealaichte  bho  ar  daoine-ne, 
'n  an  coslas  agus  'n  an  gne,  's  gu  bheil  mi 
cinnteach  nach  'eil  braon  d'  ar  fuil  annta. 

Tha  'n  fhuil  blath  ;  am  bitheantas  aith- 
nichidh  tu  duine  d'  ad  dhaoine  ged  a  thach- 
radh  sibh  air  a  cheile  ann  an  aite  anns 
nach  biodh  duil  agad  ris,  ach  ged  a  thachair 
iomadh  Eirionnach  orm-sa  'n  am  bheatha  cha 
do  thachair  fear  dhiubh  riamh  orm  ris  an  do 
theoidh  mo  chridhe  air  a'  cheud  shealladh, 
no  m'  an  abrainn,  le  sealltuinn  air  a  shuil 
agus  air  a  choslas  agus  air  a  ghluasad,  "  Sin 
fear  d'  am  dhaoine." 

Chan  ann  mar  sin  a  tha  a  thaobh  mo  dhaoine 
fein,  Gaidheil  na  h-Alba.  Tha  mo  thigh  dliith 
do'n  rathad  mhor  a  tha  eadar  Peairt  agus 
Inbhir-nis,  agus  is  annamh  la  's  a'  bhliadhna 
nach  bi  coisichean  a  tha  acrach  agus  sgith  le  'n 
turus  a'  tadhall  aig  an  dorus,  ag  iarraidh 
greim  bidh  agus  aite  anns  an  cuir  iad  seachad 


an  oidhche.  O'n  taobh  a  muigh  tha  iad  uile 
car  coltach  ri  cheile  ;  an  aon  seorsa  aodaich, 
an  aon  seorsa  bhrog  gun  sailtean,  an  aon  seorsa 
neapaicin  mu'n  amhaich,  an  aon  seorsa  pasgain 
air  an  druim,  agus  an  aon  cheum  trom  sgith 
aca,  ach  ma  thachras  gur  e  Gaidheal  a  thig 
a  dh'  ionnsuidh  an  doruis,  agus  air  uairean 
tha  iad  ann,  innsidh  ni-eigin  'n  am  fhuil  dhomh 
gur  ann  d'  am  dhaoine  e,  eadhon  m'  an  aithnich 
mo  shiiil  no  mo  chluas  gur  h-ann.  Thug  mi 
an  aire  dha  so  fichead  uair,  agus  air  an  laimh 
eile,  ma  thachras  nach  'eil  taobh  idir  no  faidhid- 
inn  idir  agam  ris  an  duine,  faodaidh  mi  a 
bhi  cinnteach  gur  e  Eirionnach  a  tha  ann. 

Gineal  an  deidh  gineil  tha  trusdaireachd 
ann  an  seorsa  Eirionnach  a  chuireas  goirisinn 
air  feoil  Gaidheil.  Eadhon  ann  an  laithean 
na  Land  League  anns  a'  Ghaidhealtachd,  an 
uair  a  bha  daoine  gu  maith  teth  agus  comhstri 
laidir  eadar  tuath  agus  tighearnan,  cha  robh 
aon  tighearn-fearainn  air  an  robh  eagal  a 
bheatha.  Bha  fhios  aca  nach  ruigeadh  iad  a 
leas  a  chionn  gu  robh  iad  am  measg  dhaoine 
criosdail  agus  dhaoine  cneasda  anns  nach 
robh  droch  fhuil.  Is  maith  an  comharradh 
e  air  uaisle  agus  ceartas  agus  caomhalachd 
an  t-sluaigh  nach  robh  fiu  aon  duine  air  a 
mhort  no  air  a  bheubanachadh  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd an  laithean  teth  na  Land  League. 

Cha  b'  ann  mar  sin  a  bha  na  h-Eirionnaich. 
Mhortadh  iad  duine  gun  chothrom  a  thoirt 
dha  e  fein  a  dhion  ;  loisgeadh  iad  urchair 
o  chill  garraidh  air  duine  a  theicheadh  iad 
roimhe  air  an  raon  lorn,  is  dheanadh  iad  beub- 
anachd  air  ainmhidhean  a  chuireadh  uamhas 
air  na  deamhain  fhein.  Bha  an  trusdaireachd 
sin  air  a  dheanamh  anns  an  uaigneas  agus 
anns  an  dorchadas  anns  am  bi  gealtairean  a' 
gluasad. 

Their  cuid  de  dhaoine  gur  e  Eaglais  agus 
Creideamh  a  rinn  uiread  dealachaidh  eadar 
Gaidheil  agus  Eirionnaich,  ach  chan  'eil  mi 
an  diiil  gu  bheil  sin  fior.  Tha  Papanaich 
anns  a'  Ghaidhealtachd  mar  tha  ann  an  Eirinn, 
ach  tha  iad  de  aon  stoc  ris  a'  chuid  eile  de'n 
t-sluagh  ;  tha  an  aon  fhuil  annta  ris  na  Pros- 
tanaich,  agus  chan  'eil  mughadh  air  bith  eadar 
iad  agus  Gaidheil  eile  anns  na  nithean  so  air 
a  bheil  mi  a'  bruidhinn.  Chan  'eil  Papanach 
an  Albainn  a  chuireadh  an  gunna  riut  gun 
fhios  duit. 

Chan  'eil  sin  air  a  dheanamh  ach  le  daoine 
anns  a  bheil  droch  fhuil  gu  nadurra,  fuil  nach 
'eil  anns  a'  Ghaidhealtachd  idir. 


NA  raointean  threabh  is  chuir  sinn, 
Le  siol  ro  phriseil  caoin  ; 
Ach  thainig  dealt  is  dh'  fhas  e, 
O  Dhia  tha  grasmhor  caomh. 


'S  a  gheamhradh  bheir  e  sneachda, 
'S  'na  am  an  samhradh  blath  ; 
Le  osaig  chiuin  is  grian-gheal, 
Is  frasan  ciibhraidh  tlath. 


Aireamh  4 


immi 


938 


Seachduin  na  Ceusa 


"  0  sibhse  uile  tha  a'  gabhail  an  rathaid,  amhairicibh  agus  faicihh  am  bheil  brbn  sam  bith  cosmhuil  ri  mo 

bhron-sa." — Tuireadh  Ieremiah  i.  13. 

"  Pill,  0  m'  anam,gu  of  shuaimhneas." — Salm  cxvi.  7. 


UAIR  a  dh'  fhaighnich  an  duine  caomh,  agus 
an  duine  diadhaidh,  ris  an  abradh  iad 
Rabbi  Du?ica?i,  de  chaileig  bhig  a  bha  anns  an 
sgoil,  "  C'aite  a  bheil  sibh  a'  leughadh  anns  a' 
Bhiobull  an  drasd,"  fln-eagair  a'  chaileag, 
"  Tha  sinn  a'  leughadh  far  a  bheil  e  air  innseadh 
mu  na  nithean  a  thachair  do  losa  Criosd  air  an 
t-seachduin  mu  dheireadh  d'a  bheatha." 

"  O,  Bhronag,"  arsa  Rabbi  Duncan,  "  b'  e 
sin  seachduin  nach  f  hacas  a  leithid  air  thalamh 
riamh,  agus  nach  fhaicear  a  leithid  gu  brath," 
agus  an  sin  dhichuimhnich  e  gu  buileach  a' 
chaileag  ris  an  robh  e  a'  bruidhinn  agus  gach 
ni  eile  a  bhuineadh  do'n  t-saoghal  so,  is  thoisich 
e  air  bruidhinn  ris  fein  mu  dhiomhaireachd 
na  diadhaidheachd. 

****** 

Aig  an  am  so  de  n  bhliadhna  tha  an  eaglais 
a'  cur  impidh  air  a  sluagh,  iad  a  chuimhneach- 
adh  nan  nithean  a  dh'  fhuiling  Criosd  air 
an  sgath  air  a'  chrann-cheusaidh  agus  na 
nithean  a  thachair  air  maduinn  na  h-aiseirigh. 

Cuidich  leinn,  a  Thighearn,  iiine  a  ghabhail 
air  gach  la  den  t-seachduin  so  gu  bhi  a'  dol  air  ar 
glitinea?i  ad  lathair  chum  moladh  agus  buidheach- 
as  a  thabhairt  dhuit  air  son  fidangas  agus  bas 
ar  Slamdgheir  a  thug  beatha  agus  neo-bhas- 
mhorachd  gu  solus  le  cumkachd  'aiseirigh.    Amen. 


Sabaid  an  lolaich 

(^Air  art  la  so  mharcaich  e  a  steach  do'n  bhaile 
naomh) 

Feuch,  tha  do  Righ  a'  teachd  ad  ionnsuidh 
gu  ciiiin  agus  e  'n  a  shuidhe  air  asail. — Mata 
xxi.  5. 

Hosanna  do  mhac  Dhaibhidh  ;  beannaichte 
gu  robh  an  Ti  a  thig  ann  an  ainm  an  Tighearna  ; 
hosanna  anns  na  h-ardaibh. — Mata  xxi.  9- 

Nam  b'  aithne  dhuit,  eadhon  dhuitse,  na 
nithean  a  bhuineas  do  d'  shith  !  ach  a  nis  tha 
iad  folaichte  o  d'  shiiilibh. — Lucas  xix.  42. 

Bheir  sinn,  a  Righ  's  a  Shlanuighear, 
Dhuit  cliii  is  gloir,  gach  linn. 
Mar  sheinn  o  shean  a'  chlann  dhuit 
Gu  h-ait  hosanna  binn. 

Is  tu  Ard-uachd'ran  Israeli, 
Mac  rioghail  Dhaibhidh  mhoir, 
Tha  teachd  an  ainm  an  Tighearn — 
Aon  bheannaicht'  !  "  Righ  na  Glbir  !  " 


A  Thighearn  losa,  a  ghuil  os  cionn  a'  bhaile 
a  bha  Ian  de  dhaoine  a  bha  dall  gu  spioradail, 
agus  gun  fhios  aca  gu  robh  iad  dall,  na  leig  leinn 
a  bhi  'g  ar  mealladh  fein,  ach  fosgail  ar  siiilean 
agus  fosgail  ar  cridheachan  a  chum  agus  gun 
gabh  sinn  riut-sa  a  tha  an  diugh  a'  labhairt  ruinn 
ann  an  ainm  an  Tighearna,  mar  ar  Righ  agus  ar 
Slanuighear.     Amen. 


Di-luain  roimh  'n  Chaisg 

(B'e  so  an  la  air  an  d'  iomain  e  an  luchd- 
malairt  a  much  as  an  teampidT) 

Chaidh  losa  a  steach  do'n  teampuU,  agus 
thoisich  e  air  an  dream  a  bha  a'  i*eic  agus  a' 
ceannach  's  an  teampull  a  chur  a  mach. — 
Marc.  xi.  15. 

Goirear  tigh  iirnuigh  de  m'  thigh-sa  ;  ach 
rinn  sibhse  'n  a  gharaidh  luchd-reubann  e. — • 
Mata  xxi.  13. 

Tha  teampull  Dhe  naomh,  agus  is  sibhse  e. — 
1  CoRiNT.  iii.  17. 

Thigibh,  is  rachamaid  gu  Dia, 
le  cridhe  tiainhaidh  broin  ; 
Ged  pheacaich  sinn  ni  esan  iochd 
air  anmaibh  briste  leoint'. 

A  Thighearn  losa,  a  chuir  a  mach  a  teampull 
t'  athar  an  dream  a  bha  'g  a  mJii-naomhachadh, 
agus  a  theagaisg  dkuinn  le  facal  an  abstoil  gur 
e  ar  cridheachan-ne  teampuill  an  Athar  mar  an 
ceudna,  cuir  a  mach  as  ar  cridheachan  na  h- 
aoighean  agus  na  nithean  peacach  a  tha  toirt 
oilbheim  d'  ad  shicil  naoimh,  chum  's  gum  bi 
sinn  glan  'n  ar  cridhe  ;  iriosal,  agus  stuama,  agus 
blath-chridheach.  Cuir  a  mach  as  ar  cridheachan 
spiorad  na  marsantachd  agus  gaol  buannachd 
air  eagal  gu'n  saoil  sinn  gur  mo  am  biadh  na 
bheatha,  agus  gum  bi  ro-chiiram  oirnn  mu  nithea?i 
nach  mair  ach  seal.     Amen. 


Di-mairt  roimh  'n  Chaisg 
(^Ati  la  a  theagaisg  e  le  cosmhalachdan  sbluimte) 

Dh'  iarr  na  h-ard  shagartan  agus  na  sgriobh- 
aichean  cionnus  a  ghlacadh  iad  e  le  foill, 
agus  a  chuireadh  iad  gu  bas  e. — Marc.  xiv.  1. 

Ach  an  uair  bu  mhiann  leo  breith  air,  bha 
eagal  a'  phobuill  orra,  oir  bha  meas  faidh  aca 
air. — Mata  xxi.  46. 


SEACHDUIN  NA  CEUSA 


Is  an-aoibhinn  do'n  duine  sin  le  'm  brathar 
Mac  an  duine. — Mata  xxvi.  24. 

A  Dhe,  na  bi-sa  fada  bhuam 

oir  's  dliith  dhomh  trioblaid  theann  ; 

'S  gun  agam  neach  gu  m'  chuideachadh, 
no  aon  a  chuireas  leam. 

Do  chuairtich  umam  moran  tharbh, 
mu  m'  thimchioll  air  gach  laimh  ; 

Dh'  iadh  umam  tairbh  ro-laidir  bhorb 
am  Basan  bha  'n  an  tamh. 

Mar  uisge  dhoirteadh  mise  mach, 

mo  chnamhan  sgaint'  o  dieil' ; 
Mo  chridh'  am  chom  an  taobh  a  stigh, 

air  leaghadh  ta  mar  cheir. 

A  Thighearn  losa,  a  lahhair  air  co-ainm  an  la 
so,  cosmhalachdan  a  tha  toirt  breith  air  an  eaglais 
agus  air  an  t-saoghal,  cuidick  leinn  a  bhi  furachail 
agus  faicilleach  ann  an  seirhhis  do  rioghachd, 
air  eagal  gun  tbisich  breitheanas  aig  ar  tigk-ne, 
agus  cuidich  leinn  a  bhi  dlleas  do  Chriosd  agus 
d'a  eaglais,  chum  gum  bi  dachas  againn  aig  uair 
ar  bais,  gun  gabhar  a  steach  sinn  do  aitibh- 
cbmhnuidh  maille  riutsa.     Amen. 


nigh  e  casan  nan  deisciobul,  is  chuir  e  air 
chois  Sacramaid  na  Suipearach,  agus  air 
dhaibh  laoidh  a  sheinn,  chaidh  iad  a  mach 
gu  sliabh  nan  crami-olaidh,far  an  do  ghleachd 
losa,  anns  an  dorchadas,  ri  Dia). 

Le  mor-thogradh  mhiannaich  mi  a'  chaisg 
so  itheadh  maille  ribh  roimh  dhomh  fulang. — 
Lucas  xxii.  15. 

Deanaibh-se  so  mar  chuimhneachan  orm-sa  : 
Aithne  ar  Tighearna. 

Is  mise  an  t-aran  beo  a  thainig  a  nuas  o 
neamh.^ — Eoin  vi.  51. 

A  Thighearna,  thoir  dhuinn  an  t-aran  so  an 
comhnuidh. — Eoin  vi.  34. 

Mo  chorp-sa  briste,  amhuil  so, 

feuch  bheir  mi  dhuibh  gu  saor, 
Oir  air  bhur  son-sa  bhriseadh  e 
's  air  son  a'  chinne-daonn'. 

Glacaibh  is  ithibli  uime  sin, 

is  cuimhniciiibh  mo  bhas, 
Gach  uair  a  ni  sibh  'n  obair  cheudn' 

'na  diieidii  so  gu  la  bhrath. 


Di-ciadaoin  roimh  'n  Chaisg 

(Dh'  J'han  e  ann  am  Betani  ;  an  la  a  chaidh 
ludas  a  dh'  ionnsuidh  nan  sagartan  'g  a  bhrath) 

Ghabh  iad  eomhairle  le  cheile  chum  losa  a 
ghlacadh  le  feall,  agus  a  chur  gu  bas. — Mata 
xxvi.  4. 

B'  aithne  do  ludas  an  t-aite,  oir  thainig  losa 
gu  trie  an  sin  maille  r'a  dheisciobuil. — Eoin 
xviii.  2. 

Agus  thubhairt  losa  ris,  ludais,  am  bheil  thu 
le  poig  a'  brath  Mhic  an  duine  ? — Lucas 
xxii.  48. 

Tha  an  cridhe  cealgach  thar  nan  uile  nithean. 
— Ieremiah  xviii.  9- 

'Se  fulangas  mo  Siiliinuigheir 
A  bhios  mo  dhan  a'  luaidh  ; 
M6r-irioslachd  an  Ard-rlgii  sin 
'N  a  bhreitli  's  'n  a  bhas  ro  chruaidh  ; 
'S  e  'n  t-iongantas  bu  mhiorbhuilich' 
Chaidh  innseadh  riamh  do  shluagh. 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd 
Bhi  fas  'n  a  chiochran  truagh. 

A  Thighearn  losa,  a  chuir  seachad  co-ainm 
an  la  so  ann  an  samhchair  Bhetani,  ag  ullachadh 
t'  anama,  ann  an  co-chomunn  an  Athar,  air  son 
an  fhulangais  agus  a'  bhrbin  a  bha  a'  feitheamh 
ort,  cuidich  leinn  cuisean  an  t-saoghail  a  leigeil 
seachad  car  greis  agus  ar  cridheachan  a  shocruch- 
adh  air  na  nithean  a  dh'  fhuiliug  thus  a  air  an 
i-slighe  gu  Calbhari,  ceum  air  cheum,  chum  bi 
brbn  diadhaidh  air  a  dhusgadh  annainn  air  son 
ar  peacanna  a  thoill  mallachd  Dhe.  Amen. 
****** 
Di-axdaoin  roimh  'n  Chaisg 

(Chaidh  losa  o  Bhetani  do  Jerusalem  ;    anns  an 
Jheasgar,     anns     an     t-sebmar     uachdrach, 


Cupan  na  slainte  glacar  leam, 

air  ainm  Dhe  gaiream  fein, 
locam  mo  bhoid  do  Dhia,  a  nis 

an  lath'r  a  shluaigh  gu  leir. 

A  Thighearn  losa,  a  dh'  iarr  air  na  deisciobuil 
fantuinn  maille  riut,  agus  f  aire  a  dheanamh  maille 
riut,  ann  an  garradh  Ghetsemani,  cuidich  leinn  a 
h-uile  la  f  aire  agus  iirnuigh  a  dheanamh  air  eagal 
gun  tuit  sinn  ann  am  buaireadh,  ach  cuidich 
leinn  an  diugh  gu  sbnruichte  anmhuinneachd  ar 
febla  a  smachdachadh,  chum  agus  nach  aom 
cadal  no  suain  oirnn  am  feadh  'sa  bhitheas  sinn 
a'  cuimhneachadh  air  a'  chupan  shearbh  a  dh' 
bl  thu  air  ghaol  sinne  a  shaoradh.     Amen. 


Di-haoine  na  Ceusa 

(Aig  naoi  uairean  's  a'  mhaduinn  bha  losa  air  a 
cheusadh,  ach  bha  an  anail  ann  gu  tri  uairean 
a  dh'  fheasgar,  an  uair  a  thug  e  suas  a 
spiorad). 

A  nis  o'n  t-seathamh  uair  bha  dorchadas  air 
an  tir  uile  gus  an  naoitheamh  uair,  agus  mu 
thimchioll  na  naoitheamh  uaire  dh'  eigh  losa 
le  guth  ard,  Mo  Dhia,  mo  Dhia,  car  son  a 
threig  thu  mi  ? — Mata  xxvii.  45-6. 

Bha  e  air  aireamh  am  measg  nan  ciontach, 
agus  thug  iadsan  a  bha  dol  seachad  ana-cainnt 
dha,  a'  crathadh  an  cinn,  agus  ag  radh,  Foir  ort 
fein,  agus  thig  a  nuas  o'n  chrann-cheusaidh. 
Agus  mar  an  ceudna  thubhairt  na  h-ard- 
shagartan  agus  na  sgriobhaichean  ri  cheile,  a' 
fanoid  air,  Shaor  e  daoine  eile,  chan  'eil  e 
comasach  air  -e  fein  a  shaoradh. — Marc.  xv. 
29-31. 

An  sin  thubhairt  losa,  Athair,  thoir  maith- 


SEACHDUIN  NA  CEUSA— ANNS  A'  CHATHAIR 


eanas  dhaibh,  oir  chan  'eil  fhios  aca  ciod  a  tha 
iad  a'  deanamh. — Lucas  xxiv.  34. 

Thubhairt  losa,  Tha  e  criochnaichte,  agus 
air  cromadh  a  chinn  dha,  thug  e  suas  a  spiorad. 
— EoiN  xix.  30. 

Chaidh  daoine  dall  is  ceannairceach 

Air  seachran  truagh,  mar  threud, 
Ach  ghiulain  Criosd  ar  n-easaontas, 

is  dhiol  ar  n-uile  bheud. 

Fo  bhuillibh  trom  ar  smachdachaidh, 

feuch,  giiilan  caomh  Mhic  Dhe  ! 
Mar  uan  a'  chasgraidh,  's  amhluidh  sin, 

cha  d'  fhosgail  e  a  bheul. 

Feuch  !  losa  ceusda  air  a'  chrann  ! 

's  a  cheann  a'  lubadh  nuas, 
Fhuil  chraobhach  o  gach  creuchd  a'  ruith, 

is  cruitheachd  bais  'n  a  ghruaidh. 

"  Tha  'n  obair  criochnaicht'  " — bhasaich  Criosd 

air  son  a'  chinne-daonn' 
Lom-fhuasgladh  thug  e  dhuinn  o'n  bhas  ; 

o  chumhachd  Shatain  shaor. 

A  Thighearn  losa,  ann  an  solus  a'  chroinn- 
cheusaidh  tha  sinn  a"  faicinn  grainealachd  uamh- 
asach  a'  pheacaidh,  ach  ann  an  solus  a'  chroinn- 
cheusaidh  tha  sinn  a'  faicinn  do  thrbcair  iongantach 
mar  an  ceudna.  Dean  trbcair  oirnn,  a  Dhia  nan 
gras  ;  agus  cuidich  leinn  trbcair  a  nochdadh,  mar 
tha  sinn  a'  faotainn  trbcair  bhuait-se.  Ann  an 
stri  ar  beatha,  agus  aig  uair  ar  bais,  agus  a?in  an 
la  a  bhreitheanais,  a  Thighearna,  cuimhnich 
trbcair.     Amen. 


Di-D6mhnaich  Casg 

(^Air  maduinn  na  h-aiseirigh,  dh'  eirich  ar  Tighearn 
ann  an  cumhachd  na  beatha  shiorruidh  a  bha, 
agus  a  tha,  agus  a  bhitheas  ann  gu  brath). 

Na  bitheadh  eagal  oirbh  ;  tha  sibh  ag  iarr- 
aidh  losa  o  Nasaret,  a  cheusadh  ;  dh'  eirich  e. — 
Marc.  xvi.  6. 


Dh '  eirich  an  Tighearna  da-rireadh. — Lucas 
xxiv.  34. 

Agus  air  teachd  do'n  fheasgar,  agus  na 
dorsan  diiinte,  far  an  robh  na  deisciobuil  cruinn 
air  eagal  nan  ludhach,  thainig  losa  agus  sheas 
e  's  a'  mheadhon,  agus  thubhairt  e  riu,  Sith 
dhuibh. — EoiN  xx.  19. 

Gu  ma  beannaichte  gu  robh  Dia  agus  Athair 
ar  Tighearn  losa  Criosd,  a  dh'  ath-ghin  sinne 
gu  beo-dhochas,  tre  aiseirigh  losa  Criosd  o  na 
mairbh. — 1  Peadar  i.  3. 

Failte  do'n  la  's  an  d'  eirich  Criosd, 

le  cumhachd  nios  o'n  uaigh  ; 
'S  an  d'  fhuair  e  air  gach  uile  namh, 

air  ifreann  's  bas  Ian  bhuaidh. 

Do  t'  ainm  ro  ard,  a  Thriath  nam  buadh, 

gach  uair  bheir  sinne  cliii ; 
'S  le  'r  n-ait-hosanna  failtichidh 

an  la  's  an  d'  eirich  thu. 

Ceud  failt  ort,  a  mhaduinn, 

A  mhaduinn  an  aigh  ; 

Chaomh  mhaduinn  gun  ghruaimean 

Gun  smalan  gun  bhruaillean  ; 

Ghlan-rosgaibh  gun  smuairean, 

Lan  uaisle  is  graidh  ; 

Diiisg  aoibhneas  neo-thruaillidh, 

Mhaireas  buan  gu  brath. 

Dhaibh  innis  gu'm  fac'  thu 

Sar-ghaisgeach  nam  buadh, 

A'  mosgladh  's  a'  dtisgadh 

O'n  chadal  bu  chiiiin' ; 

Mar  mhaduinn,  a  ghniiis-gheal, 

Gun  smuirean,  gun  ghruaim  ; 

Gu'n  chreachadh  's  gu'n  spiiinneadh 

An  iiir  leis  's  an  uaigh. 

A  Thighearn  losa,  a  thug  dearbhachd  dhaibh- 
san  aig  an  robh  gradh  dhuit  nach  robh  cumhachd 
aig  a'  bhas  thairis  ort,  meudaich  ar  creideamh  agus 
ar  gradh  chum  's  gu'm  bi  dearbhachd  laidir  agus 
shona  againn  gu  bheil  thusa  a  ghnath  maille  ruinn, 
agus  nach  'eil  cumhachd  air  bith  anns  an  t-saoghal 
a  tha  comasach  air  a'  ghne-beatha  a  tha  anvad, 
agus  a  tha  thu  a'  comh-phairteachadh  ri  do 
shluagh,  a  mhuchadh  no  mharbhadh.      Amen. 


Anns  a'  Chathair 


AN  uair  a  bha  mi  'n  am  fhear-cuideachaidh 
i^ann  an  eaglais  an  Dun-eideann,  an  laithean 
m'  oige,  bhithinn  a'  tadhall  air  a  h-uile  teagh- 
lach  ann  an  oisean  sonruichte  de'n  sgireachd  ; 
sraid  bhochd  anns  an  robh  na  daoine  cho 
lionmhor  ris  na  coineanan.  Bha  suas  ri  fichead 
dorus  air  an  staidhir  anns  a  h-uile  clobhsa,  is 
bha  cuid  de  na  clobhsaichean  cho  dubh  dorcha  's 
gu'm  feumainn  a  bhi  lasadh  mhaidseachan  a' 
dol  suas  an  staidhir. 

Bha  a'  chuid  mhor  de  na  tighean  lan  cloinne, 
ach  an  sud  agus  an  so  bha  tighean — mar  bu 
trice  aon  seomar — anns  an  robh  seann  daoine 
a'  fuireach  leo  fein.     Sin  na  daoine  a  b'  fhearr 


learn  a  bhi  tadhall  orra,  oir  rachadh  againn  am 
bitheantas  air  seanchas  reidh  is  seanchas 
tiirail  a  dheanamh  ri  cheile,  rud  nach  'eil  furasd 
a  dheanamh  ann  an  tigh  far  nach  'eil  smachd 
air  a'  chloinn.  Ged  tha  clann  laghach  ana- 
barrach  laghach,  chan  'eil  ann  an  cloinn  gun 
smachd  ach  Satain  bheaga  a  dh'  fhasas  na's 
miomhaile  na  tha  iad  gu  nadurra  ma  gheibh 
iad  cothrom  air  am  parantan  a  narachadh. 
Sin  am  peanas  a  tha  aig  parantan  gun  sgoinn 
ri  f  hulang  air  son  an  toil  fein  a  thoirt  do  chloinn, 
agus  an  togail  gun  smachd  ;  naraichidh  iad 
iad  am  fianuis  dhaoine. 

Bha  iomadh  seorsa  de  sheann  daoine  onrachd- 


4 


ANNS  A'  CHATHAIR 


ach  air  na  staidhrichean  ud,  ach  ged  nach 
'eil  onrachdas  'na  uallach  do  chuid,  tha  e  'n  a 
eire  thruim  do  fheadhainn  eile  ;  onrachdas 
agus  seann  aois.  Ged  dh'  fhaodas  moran  de 
chairdean  furanach  a  bhi  aig  seann  daoine  tha 
iad  de  ghineal  eile,  is  chan  'eil  e  idir  furasda 
co-chomunn  dluth  a  bhi  eadar  sean  agus  bg. 
Ach  cha  robh  cairdean  idir  aig  a'  chuid  mhor 
de  na  seann  daoine  ud  ;  bha  iad  cho  lorn  de 
chuideachd  's  a  bha  iad  lorn  de  chuid. 

Da  phiuthair 

Ann  an  seomar  beag  bha  da  sheana  bhoirionn- 
ach  a'  fuireach  comhla,  peathraichean  a  bha 
uaireigin  air  an  deagh  dhoigh,  ach  a  bha  air 
am  fagail  'n  an  seann  aois  gun  daoine,  gun 
dealbh.  Bha  iad  le  cheile  posda,  ach  shiubh- 
ail  na  fir  agus  na  bha  aca  de  chloinn,  is  bha 
iad  a  nis  a'  criochnachadh  an  laithean  comhla, 
direach  mar  thoisich  iad  comhla  ann  an  tigh 
an  athar. 

Ach  cha  bhiodh  iad  aon  mhionaid  reidh  ri 
cheile  ;  bha  cnamhan  cogaidh  a'  dol  air 
aghaidh  eatorra  gun  sgur,  is  shaoileadh  tu 
nach  b'  urrainn  do  dhithis  air  bith  a  bha  cho 
neo-choltach  ri  cheile  ris  an  da  phiuthair  ud 
fuireach  comhla  ann  an  sith.  Ach  air  dhoigh 
air  chor-eigin  bha  iad  a'  cur  suas  le  cheile,  is 
tha  mi  an  dull  gu  robh  an  connsachadh  a  bhiodh 
iad  a'  deanamh  'n  a  aotrumachadh  dhaibh  'n 
an  onrachdas  an  aite  a  bhi  'g  an  deanamh 
mi-shona. 

Bha  te  de  na  peathraichean  ud  anabarrach 
crosda,  Anna  ;  boirionnach  ard  caol  air  an 
robh  a'  choslas  gu  robh  i  aon  uair  dreachmhor, 
ach  a  bha  nis  air  a  gean  agus  a  boidhchead  a 
chall  le  a  droch  nadur  fein  agus  le  trioblaidean 
an  t-saoghail.  Chan  e  an  aon  bhuaidh  a  tha 
aig  trioblaid  air  a  h-uile  duine  ;  ni  trioblaid  cuid 
na  's  fheai'r,  ach  ni  i  cuid  eile  na  's  miosa. 
Theagamh  nach  robh  nadur  Anna  maith  o 
thoiseach,  ach  rinn  i  droch  phosadh  'n  a  caileig 
oig,  is  chuir  am  posadh  sin  teine  'n  a  siiil  agus 
'n  a  teangaidh  nach  d'  fhag  iad  riamh  tuilleadh. 

Bha  Iseabal  reidh  riaraichte  ;  glagaid  choir 
a  rinn  posadh  a  cheart  cho  dona  ri  Anna,  ach 
a  thaobh  's  gu  robh  i  iosaidh-osaidh  'n  a  nadur 
cha  do  chuir  am  posadh  sios  no  suas  i.  An  uair 
a  shiubhail  an  duine — duine  nach  robh  idir 
laghach  rithe — is  e  na  thubhairt  i,  "  Tha  mi 
cinnteach  gu  robh  esan  cho  toileach  falbh 
bhuam  's  a  bha  mise  gu'm  falbhadh  e,  ach  olc 
's  'g  an  robh  e,  bithidh  mi  'g  a  ionndrainn." 
Cha  robh  uiread  bruidhne  aig  Iseabal  idir  's 
a  bha  aig  Anna  ;  am  bitheantas  leigeadh  i  leis 
an  t-seanchas  uile  a  bhi  eadar  Anna  agus  mi 
fhein,  ach  a  mhain  gu'n  cuireadh  i  a  steach 
facal  reidh  agus  ciiiin  an  drasd  's  a  ris,  mar  gu'm 
biodh  i  a'  gabhail  lethsgeul  a  peathar  air  son 
a  bhi  cho  euineach. 


Cuireadh  fuar 

A'  cheud  uair  a  chaidh  mi  a  dh'  ionnsuidh 
an  doruis  is  e  Anna  a  thainig  thuige.  Cha 
bhiodh  e  f  ior  a  radh  gu'n  do  rinn  i  mo  bheatha, 
ach  CO  dhiu  an  deidh  dhi  ruith  d'a  teangaidh 
a  thoirt  do  mhinistearan  agus  do  shagartan 
agus  do  Phairisich,  thill  i  a  steach  gun  an  dorus 
a  dhunadh,  ag  radh  thar  a  gualainn,  "  Faodaidh 
tu  tighinn  a  steach  ma  thogras  tu,  ach  chan  'eil 
sinne  'g  ad  iarraidh." 

Cha  robh  an  cuireadh  ro  thogarrach,  ach 
ann  an  leth  mionaid  thainig  boirionnach  leath- 
ann  a  dh'  ionnsuidh  an  doruis  agus  aoibh 
air  a  h-aodann  mar  gu'm  biodh  fiughair  aice 
rium,  "  Thig  a  steach,  thig  a  steach,"  ars  ise, 
"  agus  Anna  air  son  seanchas  a  dheanamh 
riut  is  bithidh  i  anabarrach  toihchte  t'  fhaicinn." 
(Chual  i  gu  maith  an  rud  a  thubhairt  Anna 
rium). 

Chaidh  mi  a  steach  is  shuidh  mi  ann  an 
cathair  a  tharruing  Iseabal  mu  choinneamh 
an  teine  dhomh,  agus  i  a'  feuchainn  cho  maith 
'sab'  urrainn  dhi  ri  foluch  a  chur  air  coimh- 
eachas  a  peathar.  "  Tha  mo  phiuthar,"  ars'  ise, 
"  an  impis  dol  as  a  rian  leis  an  loinidh,  ach  tha  i 
cho  toilichte  thusa  fhaicinn  's  nach  leig  i  leis 
an  loinidh  an  toileachadh  sin  a  thoirt  bhuaithe, 
nach  'eil,  Anna  ?  " 

"  Chan  'eil  gu  dearbh,"  ars'  Anna,  "  car  son 
a  bhithinn-sa  toilichte  fhaicinn  ?  " 

Ma  tha  thu  an  diiil,  a  leughadair,  gu  bheil  an 
naidheachd  so  a'  dol  a  chriochnachadh  gu 
sona  mar  a  bhitheas  naidheachdan  maithe  a' 
criochnachadh,  no  gu  robh  Anna  air  a  h- 
iompachadh,  no  a  cridhe  air  a  thaiseachadh, 
tha  thu  air  do  mhealladh.  Lean  mi  air  tadhall 
orra  an  drasd  's  a  ris  fad  bliadhna  gu  leth,  gus 
an  d'  fhag  mi  Dun-eideann,  ach  cha  tainig  as 
ach  gu'm  b'  fheudar  do  Iseabal  barrachd 
bhreug  innseadh,  a  chur  foluch  air  droch 
smuaintean  agus  droch  chainnt  a  peathar,  na 
dh'  innseadh  i  mur  bithinn  a'  tadhall  orra  idir. 
Air  uairean  bhithinn  a'  smuaineachadh  'n 
am  intinn  fein  gur  e  cron  a  bha  mi  a'  dean- 
amh, a  reir  choslais  ag  an-tromachadh  cionta 
Iseabal  laghach,  is  bhithinn  a'  smuaineach- 
adh cuideachd  ciod  a  their  am  Breitheamh 
Mor  ris  an  t-seorsa  bhreug  a  bhiodh  i  a'  dean- 
amh, gus  sgeimh  boidheach  a  chur  air  na 
rudan  olc  is  guineach  a  bhiodh  a  piuthar  ag 
radh. 

Nigheadaireachd  do  na  naoimh 

La  a  bha  mi  ag  amharc  orra  thubhairt  mi 
gu'm  biodh  e  ceart  dhuinri  ar  cairdeas  agus  ar 
caidreamh  a  naomhachadh  le  iirnuigh  a  dhean- 
amh comhla,  agus  Facal  an  Tighearn  a  leugh- 
adh.  Anns  a'  mhionaid  thubhairt  Anna 
nach  robh  dad  aice  an  aghaidh  a'  Bhiobuill, 
ma  's  e  sin  a  bha  mi  a'  ciallachadh  le  Facal 


i 


ANNS  A'  CHATHAIR— MINISNEARAN  UIDHIST  A  TUATH 


an  Tighearn,  ach  nach  robh  i  a'  creidsinn  ann 
an  iirnuigh  idir.  "  Ach  dean  thusa  do  rogh- 
ainn,"  thubhairt  i. 

Rinn  mi  urnuigh  mar  a  b'  fhearr  a  b'  urrainn 
mi,  ged  nach  robh  e  furasda  'n  a  leithid  de 
shuidheachadh,  gu  sonruichte  agus  mi  bg 
agus  aineolach.  Cha  d'  thubhairt  Anna  diog, 
ach  cha  deachaidh  i  air  a  gluinean.  Ach  cho 
luath  's  a  dh'  eirich  Iseabal  bharr  a  gliiinean 
thoisich  i  air  innseadh  dhomh  cho  gaolach  's 
a  bha  Anna  air  an  sgoil  Shabaid  'n  a  h-6ige  ; 
nach  gabhadh  i  cumail  aisde  ;  gu  robh  moran 
de'n  Sgriobtur  aice  air  a  meomhair,  agus 
gu'm  bu  chruaidh  an  gnothuch  nach  b'  urrainn 
dhi  dol  air  a  gluinean  a  nis,  a  chionn  gu'n 
robh  a  loinidh  cho  dona.  Dh'  innis  i  dhomh 
cho  ciiramach  's  a  bha  Anna,  'n  a  caileig,  mu 
leabhar-laoidh  a  thug  a  h-athair  dhi,  agus 
fiamh  an  oir  air  bile  nan  duilleagan,  agus  cho 
gaolach  's  a  bha  i  air  a  bhi  cluinntinn  mu 
neamh  agus  mu  na  naoimh  ann  an  trusgain 
gheala. 

"  Na  'n  do  rinn  thu  uiread  nigheadaireachd 
do  na  naoimh  's  a  rinn  mise,"  ars'  Anna  rium- 
sa,  "  bhiodh  fhios  agad  gu  bheil  craicinn 
shalach  fo  thrusgain  gheala.  Anns  an  t- 
saoghal  so  tha  a  h-uile  duine  air  a  shon  fein, 
agus  an  fheadhainn  a  bhios  a'  gabhail  orra  gur 
maith  leo  cor  dhaoine  eile  a  leasachadh,  sin 
na  cealgairean  as  miosa  air  fad." 

Lean  i  oirre  gus  nach  robh  an  corr  analach 
aice,  a'  cur  sios  air  na  naoimh,  agus  a'  cumail 
a  mach  nach  robh  anns  a'  mhor-chuideachd 
de  dhaoine  ach  meirlich  affus  cealgairean. 

Ach  rachadh  aig  Iseabal  air  mil  a  thoirt 
eadhon  as  na  clachan  a  thilgeadh  a  piuthar  air 
na  naoimh  ;  thubhairt  i  gu  robh  Anna  cho 
ceart  agus  cho  firinneach  's  nach  b'  urrainn 
dhi  gun  fas  teth  a  h-uile  uair  a  chluinneadh  i 
iomradh  air  olc  no  eucoir. 

Ministear  coir 

Anns  na  laithean  ud  bha  mise  'n  am  fhear- 
cuideachaidh  aig  an  Ollamh  Raibeart  Blarach, 
ministear  cho  coir  agus  cho  fialaidh  agus  cho 
gasda  anns  gach  doigh  's  a  bha  ann  an  Eaglais 
na  h-Alba.  Dh'  innis  mi  dha  mu'n  da  sheana 
bhoirionnach,  is  chaidh  e  'g  am  faicinn.  Chan 
e  mhain  gu'n  do  thadhaill  e  orra  aon  uair,  ach 
chaidh    e    air    ais    iomadh    uair    eile,    agus    is 


iomadh  bonn  oir  a  dh'  fhag  e  aca.  Ach  bha 
na  b'  fhearr  na  buinn  oir  aig  Raibeart  Blarach 
ri  fhagail  aig  seann  daoine  bochda  ;  bha  aoibh 
air  aodann,  agus  blaths  'n  a  chridhe,  agus 
diirachd  'n  a  iirnuighean,  a  leaghadh  cridh- 
eachan  cruaidh.  Ach  ma  bha,  cha  d'  fhuair  e 
riamh  mar  astar  muillean  mile  do  chridhe 
Anna.  Bha  dtiil  agam-sa  gu'n  deanadh 
iirnuighean  an  t-seana  mhinisteir,  agus  a' 
bhaigh  nadurra  a  bha  'n  a  chridhe  r'a  cho- 
chreutairean,  agus  am  flath  a  bha  'n  a  aodann, 
feum  do'n  bhoirionnach  ud  nach  deanadh  m' 
iirnuighean  anabuich  fein.  Ach  cha  do  rinn. 
Mur  d'  fhas  i  na  bu  chruaidhe  agus  na  bu 
chrosda  cha  d'  fhas  i  dad  na  bu  chaomhaile, 
CO  dhiu  'n  a  cainnt.  Ach  is  ann  do  Dhia  as 
leir  an  cridhe,  is  faodaidh  e  bhith  gu  bheil 
fliiraichean  beaga  boidheach  a'  fas  aig  bun 
stallachan  searbhadais  ann  an  cridheachan  cuid 
de  dhaoine. 

Ach  mur  do  rinn  e  maith  do  Anna  an  t- 
OUamh  Blarach  a  bhi  a'  tadhall  oirre  thog  e 
speuran  cinn  Iseabail,  is  bhitheadh  i  ag  innseadh 
dhomh  mu  na  nithean  crabhach  agus  diadhaidh 
a  bhiodh  Anna  ag  radh  ris.  An  uair  a  dh' 
aicheadh  Anna  le  colg  agus  le  briathran 
sgaiteach  magail  nach  d'  thubhairt  ise  a 
leithid    de    chainnt,    theireadh    Iseabal    rium, 

Ma  dh'  fhaoidhte  nach  d'  thubhairt  uile  gu 
leir,  ach  tha  fhios  agam-sa,  a  ghaoil,  gur  e  sud 
a  bha  i  a'  faireachduinn  'n  a  cridhe  ;  tha  Anna 
cho  maith  's  nach  stadadh  i  idir  a  dh'  iirnuigh, 
na'n  leigeadh  an  loinidh  leatha  dol  air  a  gliiinean. 
****** 

Dh'  fhag  mise  Dun-eideann  ;  an  ceann  greis 
shiubhail  an  t-Ollamh  Raibeart  Blarach,  is 
chan  'eil  fhios  agam  ciod  a'  chrioch  a  bha  aig 
an  da  sheana  bhoirionnach  ud.  Dh'  fheor- 
aich  mi  umpa  uair-eigin  de'n  mhinistear  iir, 
ach  cha  b'  aithne  dha  iad  ;  theagamh  gu  robh 
iad  marbh. 

Cha  chuireadh  e  ionghnadh  orm,  air  la  a 
bhreitheanais,  guth  Anna  a  chluinntinn,  a' 
faotainn  coire  do'n  Bhreitheamh  Naomh  air 
son  na  roinne  a  bha  air  a  dheanamh  air  na 
caoraich  agus  air  na  gabhair,  eadhon  ged  bhiodh 
i  fein  am  measg  nan  caorach,  ach  ged  bhiodh 
Iseabal  air  a  cur  air  an  laimh  chli  tha  mi  cinnt- 
each  nach  cluinnteadh  bhuaipe  gearan  air  a' 
cheartas  a  chuir  ann  i. 


Ministearan  Uidhist  a  Tuath 


ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  chuir  mi 
-sios  ainmean  nam  ministearan  a  bha  ann 
an  Cill  Mhoire  ;  anns  an  aireamh  so  bu  mhaith 
leam  ainmean  nam  ministearan  a  bha  ann  an 
Truimisgearraidh  a  chur  sios. 

Bha  seann  eaglais  Shannd  air  a  h-ainmeach- 
adh  air  Calum  Cille. 


1806.  Uilleam  Arbuckle,  M.A.  ;  bha  e  air 
a  shuidheachadh  mar  mhissionaraidh  an  Sannd 
agus  an  Sollas  an  1806  ;  an  ceann  sheachd 
bliadhna  chaidh  e  do  Uidhist  a  Deas,  agus  'na 
dheidh  sin  do  Chill  Mhoire,  ach  cha  ruigear  a 
leas  an  corr  a  radh  uime,  oir  bha  e  air  ainmeach- 
adh  anns  an  aireamh  mu  dheireadh. 


MINISTEARAN  UIDHIST  A  TUATH 


1815.  Fionnladh  Mac  Rath,  M.A.  ;  bha  e  air 
a  shuidheachadh  mar  mhissionaraidh  an  1815, 
ach  an  ceann  tri  bliadhna  chaidh  e  do  Chill 
Mhoire.  Bha  cunntas  air  anns  an  aireamh  mu 
dheireadh  1819- 

Iain  Lees,  M.A. ;  Leodhasach  a  rugadh  ann 
an  Steornabhagh  ;  bha  e  air  a  shuidheachadh 
an  Sannd  mar  mhissionaraidh,  ach  chaidh  e 
do  Chairinuis  an  1822.  'Na  dheidh  sin  bha  e 
'na  mhaighstir-sgoil  an  Lunnainn,  ach  thainig 
e  air  ais  do  Steornabhagh  an  1844,  far  an 
robh  e  air  a  shuidheachadh  mar  mhinis- 
tear.  Phos  e  nighean  do  Chaiptean  Ailean 
Camshron,  an  Loch-na-madadh,  a  bha  'na 
bhailidh  aig  a'  Mhorair  Dhomhnullach  an 
Uidhist  a  Tuath.  Bha  triiiir  mhac  aige,  fear 
dhiubh  Seumas,  Sir  Seumas  Camshron  Lees, 
K.C.V.D.,  D.D.,  LL.D.,  a  bha  ann  an  Eaglais 
Ard,  Dhiin-eideann,  aon  de  na  ministearan  a 
b'  urramaiche  an  Albainn  'n  a  linn. 

1824.  Uilleam  Mac  Cuinn  ;  mac  do  Sheumas 
Mac  Cuinn  a  bha  'n  a  mhinistear  an  Cill  Mhoire. 
Shiubhail  e  gu  maith  bg  an  1834. 

1835.  Tormod  Mac  Leoid  ;  Sgitheanach 
a  bha  air  oileanachadh  an  Oil- thigh  Ghlaschu. 
Bha  e  greis  'na  mhissionaraidh  am  Bail-an- 
t-salainn  m'  an  deachaidh  e  do  Thruimisgearr- 
aidh.  Chaidh  e  leis  an  Eaglais  Shaoir  an 
1843.  Phos  e  nighean  do'n  Dotair  Bhan, 
a  bha  'na  bhailidh  aig  a'  Mhorair  Dhomh- 
nullach anns  an  eilean  Sgitheanach,  is  bha 
teaghlach  mor  aige,  seisear  mhac  agus  coignear 
nighean.  Fhuair  cuid  dhiubh  air  an  aghaidh 
gu  maith  anns  an  t-saoghal,  is  chiim  iad 
cuimhne  air  laithean  an  oige  an  Uidhist,  agus 
air  seann  eolaich. 

1844.  DomhnuU  Domhnullach  ;  bha  e  an 
toiseach  'n  a  mhissionaraidh  am  Beinn-na- 
faoghla  ;  air  a  shuidheachadh  an  Truimisgearr- 
aidh  an  1844,  ach  chaidh  e  do  sgir  Allmhaigh 
am  Baideanach,  an  1854,  far  an  do  chaochail  e 
an  1879. 

1855.  Iain  Alasdair  Mac  Rath  ;  Uidhisteach 
a  rugadh  ann  an  Bhalaigh  ;  an  1859  chaidh  e 
do  Chill  Mhoire. 

1859.  Domhnull  Domhnullach  ;  rugadh  an 
Uidhist  e  ;  air  oileanachadh  an  Diin-eideann  ; 
chaidh  e  an  sin  do  Chanada  far  an  robh  e 
greis  OS  cionn  coimhthionail  ;  a  Canada 
thainig  e  do  Thruimisgearraidh  far  an  d'  fhan 
e  ceithir  bliadhna  ;  chaidh  e  do  Shleite  an 
1863,  ach  sia  bliadhna  'n  a  dheidh  sin  chaidh 
e  air  ais  do  Chanada.  Bha  e  posda,  is  bha 
triiiir  chloinne  aige. 

1864.  Niall  Iain  Mac  Guaire  ;  mac  maigh- 
stir-sgoile  a  rugadh  an  Uidhist-a-Deas  ;  bha 
e  greis  an  Cairinnis  m'  an  deachaidh  e  do 
Thruimisgearraidh  ;    shiubhail  e  an  1868. 

1869.  Domhnull  Mac  Gill  Eathain  ;  Tiris- 
deach,  an  aon  Tirisdeach  a  b'  aithne  dhomh 
riamh  a  bhi  air  oileanachadh  an  Obar-Dhea- 


thain  ;  a  Truimisgearraidh  chaidh  e  do  Chol- 
bhasa,  agus  a  Colbhasa  do  na  Hearadh,  far 
an  robh  e  gu  1909. 

1873.  Uilleam  Mac-an-toisich,  M.A.  ;  mac 
maighstir-sgoile  an  Diurinnis  anns  an  eilean 
Sgitheanach  ;  air  oileanachadh  an  Cill-Rimhinn; 
air  a  shuidheachadh  an '  Truimisgearraidh 
an  1873.  An  1877  chaidh  e  do  Sgibinnis, 
an  Cinn-tire,  agus  a  Sgibinnis  chaidh  e  do 
Thorasaidh,  am  Muile,  far  an  do  chriochnaich 
e  a  mhinistrealachd  'n  a  sheann  duine  o  chionn 
beagan  bhliadhnachan.  Fad  iiine  mhor  bha 
e  'n  a  chleireach  aig  Cl^ir  Mhuile.  \ 

1878.  Uisdean  Domhnullach  ;  bhuineadh 
e  do  Bheinn-na-faoghla  ;  bha  e  greis  'n  a 
mhaighstir-sgoile  am  Barraidh,  m'  an  deach- 
aidh e  do  Loch  Baoghasdail  'n  a  mhissiona- 
raidh. Bha  e  air  a  shuidheachadh  am  Bearnar- 
aidh  an  1852,  agus  an  Truimisgearraidh  an 
1878,  far  an  do  shiubhail  e  an  1888. 

1888.  Fearchar  Mac  Rath,  M.A.  ;  rugadh 
e  an  Cill-Mhicheil,  am  Banbh  ;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Dim-eideann  ;  fhuair  e  cead- 
searmonachaidh  bho  Chleir  Inbhir-pheofharan  ; 
bha  e  greis  'n  a  mhissionaraidh  an  Caol- 
Acain  agus  an  Dun-bheagain  m'  an  robh 
e  air  a  shuidheachadh  an  Triumisgearraidh. 
A  Truimisgearraidh  chaidh  e  do  Ghleann 
Garaidh  an  1889,  agus  a  Gleann  Garaidh 
chaidh  e  do  Ghleann  Urchaidh,  an  Cleir 
Lathurna,  an  1894,  far  an  do  shaothraich  e  gus  ^ 
an  do  leig  e  dheth  uallach  na  sgire  bho  chionn  i 
beagan  bhliadhnachan.  Tha  e  nis  a'  cur  seachad 
feasgar  ciiiin  a  laithean  an  Tigh-an-droma. 

1890.     Alasdair  Grannd  ;    Leodhasach  a  bha       - 
e    air    a    shuidheachadh    an   Truimisgearraidh      I 
an  1890  ;    chaidh  e  do  Bhearnaraidh  an  1904,       ■ 
agus  a  Bearnaraidh  do  sgir  Hinipol,  an  Tiriodh, 
an  1913,  far  an  do  shiubhail  e  tri  miosan  an 
deidh    dha    dol    ann.     Bha    e    posda,    is    bha 
ceathrar  nighean  aige.  ? 

1904.  Tormod  Laing  ;  rugadh  e  an  Uidhist  I 
a  Tuath  ;  bha  e  air  a  shiudheachadh  an  Truimis- 
gearraidh an  1904  ;  an  1912  chaidh  e  do 
Bharabhas,  an  Leodhas  ;  a  Barabhas  chaidh 
e  do  Steiseal,  anns  an  eilean  Sgitheanach, 
far  a  bheil  e  a  nis. 

1913.  Iain  Mac  Gill  Eathain  ;  leth  Thiris- 
deach  a  rugadh  ann  an  Tobar-Mhoire  ;  an 
deidh  dha  bhi  an  Oil-thigh  Ghlaschu  chaidh 
e  do  Chanada  far  an  d'  fhuair  e  cead-sear- 
monachaidh  ;  thainig  e  air  ais  is  bha  e  air  a 
shuidheachadh  am  Poll-iii  an  I9II  ;  an  1913 
chaidh  e  do  Thruimisgearraidh  ;  a  Truimis- 
gearraidh chaidh  e  do  Chill-Fhinnchain,  am 
Muile  an  1914  ;  an  191 6  chaidh  e  do  Chill 
Mhoire  anns  an  eilean  Sgitheanach  ;  an  1922 
chaidh  e  gu  coimhthional  anns  na  h-Innsibh 
an  lar,  ach  an  ceann  da  bhUadhna  thainig  e 
air  ais  do  Shron-ant-Sithein ;  a  Sron  an  t- 
sithein  chaidh  e  do  'n  Apuinn  an  1927. 


LITIR  MU  SGRIOBHADH  GAIDHLIG 


Bha  eaglais  Thruimisgearraidh  falamh  fad 
iiine  mhor  an  deidh  191 4<,  ach  bha  mission- 
araidhean  air  an  cumail  innte. 


Ministearan  na  h-Eaglaise  Saoire  agus 
na  h-Eaglaise  Saoire  Aonaichte 

Uidhist  a  Tuath 

1843.  Tormod  Mac  lieoid  ;  dh'  fhag  e 
Eaglais  na  h-Alba  an  1843,  is  fad  beagan 
bhliadhnachan  bha  muinntir  na  h-Eaglaise 
Saoire  an  Uidhist  uile  air  a  churam,  le  comh- 
nadh  eheistearan. 

Bha  eaglais  agus  Manse  air  an  togail  an 
1858,  agus  tigh-coinnimh  an  Sollas  an  1893. 

1884.  Uilleam  Mac  Fhionghuin  ;  bha  an 
eaglais  falamh  tri  bliadhna  bho  1881  gu  1884, 
ach  an  1884  bha  Uilleam  Mac  Fhionghuin, 
Sgitheanach,  air  a  shuidheachadh  innte.  Bha 
e  am  Baile-a-Chaolais  m'  an  deachaidh  e 
a  dh'  Uidhist ;  a  Uidhist  chaidh  e  do  Ghleann 
Moireasdan  an  1891,  agus  a  Gleann  Moireasdan 
chaidh  e  do  Ghearr-loch  an  1894.  An  uair 
a  chaidh  an  eaglais  Shaor  agus  an  eaglais 
U.P.  comhla  dhealaich  e  riu. 
,  1892.  Iain  Mac  Leoid ;  Hearach  a  bha 
greis  ann  an  Canada,  ach  bha  e  air  a  ghabhail 
a  steach  do  mhinistrealachd  na  h-Eaglaise 
Saoire  an  1889,  agus  air  a  shuidheachadh  an 
Uidhist  a  Tuath  an  1892. 

1920.  D.  Friseal,  'na  fhear-cuideachaidh 
le  Iain  Mac  Leoid. 

1927.  Donnchadh  Mac  a  Phearsoin.  Leig 
e  dheth  uallach  na  sgire  an  1934. 


Cairinnis 

Bha  Cairinnis  agus  Uidhist  a  Tuath  'n  an 
aon  choimhthional  bho  1849  gu  1854  ;  an 
1854  bha  e  air  a  dhealachadh  ri  Uidhist  a 
Tuath,  agus  air  a  chur  comhla  ri  Beinn-na- 
faoghla  agus  Loch-nam-Madadh,  ach  an  1869 
bha  e  air  a  chur  air  thigheadas  dha  fein. 
Bha  eaglais  agus  Manse  air  an  cur  suas  aig 
a'  Chlachan  an  1890,  is  tigh-coinnimh  agus 
tigh  -  missionaraidh  an  Loch  -  nam  -  Madadh 
bliadhna  no  dha  'n  a  dheidh  sin. 

1869.  Iain  Mac  Rath  ;  bhuineadh  e  do 
Ghleann  Seile  ;  dh'  fhag  e  Cairinnis  an  1871 
is  chaidh  e  do  Dhiiirinnis  anns  an  eilean 
Sgitheanach.     Chaochail  e  an  19OO. 

1873.  Domhnull  Mac  Gill  Eathain  ;  bha 
an  eaglais  falamh  da  bhliadhna,  gus  an  robh 
e  air  a  shuidheachadh  an  1873  ;  an  1890 
fhuair  e  fear-cuideachaidh.  Chaochail  e  an 
1892. 

1893.  Anndra  Mac  Pharlain  Mac  Ailpein  ; 
bhuineadh  e  do  Thairbeart,  Chinn-tire  ;  shiubh- 
ail  e  'n  a  dhuine  bg  an  1897. 

1897.  Eoghan  Mac  Gill  losa  ;  bha  e  an 
Ath  Tharcuil  m'  an  deachaidh  e  do  Chairinnis 
an  1897  ;  chaochail  e  ann  an  Echt,  an  1938. 

1914.  Donnchadh  Mac  an  t-Saoir ;  thainig 
e  do  Chairinnis  a  Eadar-dha-chaolas  ;  an  1925 
dh'  fhag  e  Cairinnis  is  chaidh  e  do'n  Mhorairne, 
agus  as  a'  Mhorairne  chaidh  e  do  Ghleann 
Seile  an  1930. 

1925.  Calum  Mac  Gill  losa  ;  mac  Ceisteir 
an  Uidhist ;  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
AUt-na-heirbhe  an  1910;  an  Sildeag  an  1919; 
an  Diiirinnis,  anns  an  eilean  Sgitheanach,  an 
1921  ;  an  Cairinnis  an  1925.  Chaochail  e  an 
1933.' 


Litir  mu  sgrlobhadh  Gaidhlig 


URRAMAICH, 
Leugh  mi  le  deagh  aire  na  sgriobheadh 
agaibh  mu  litreachadh  na  Gaidhlig  agus  is 
maith  duinn  fhios  a  bhith  againn  air  a'  chleas 
a  tha  aig  duine  tha  o  mhios  gu  mios  agus  o 
bhliadhna  gu  bliadhna  ris  an  litreachadh  sin. 
Thuirt  sihh  e,  an  uair  a  thuirt  sibh  e,  nach  'eil 
an  ceartachadh  facal  beag  Gaidhlig  an  sid 
agus  an  so  ach  rud  beag,  ach  gur  ann  a  tha 
bhochdainn  ann  cho  beag  agus  a  tha  dol 
againn  air  a  leughadh  de  GhaidhUg  is  fhiach 
a  leughadh.  Chan  'eil  na  tha  mise  sgriobh- 
adh  de  Ghaidhlig  mor  ;  ach  tha  mi  a'  sior- 
leughadh  Gaidhhg,  a  h-uile  pioc  air  an  ruig 
mi  an  Albainn,  ach  dh'  fhagadh  sin  mi  air 
bheagan  leughaidh  ur  an  Gaidhlig  mur  b'e 
gu  bheil  mi  a'  sior-fhaotainn  leabhraichean 
Gaidhlig  a  Eirinn,  iomadh  seorsa,  agus  rogha 
agus  tagha  sgriobhaidh  air  roinn  mhaith 
aca.     Agus   tha   mi   a'   mothachadh   so,   nach 


'eil  na  sgriobhadairean  Eireannach  idir  a' 
bristeadh  an  cridheachan  mu  de  is  lagh 
mu'n  bheagan  cainnte  a  dh'  fhaodadh  a  bhith 
air  a  deagh  sgriobhadh  an  doigh  no  dha  ; 
agus  rud  eile  mhothaich  mi,  gu  bheil  daoine  a' 
sgriobhadh  an  cuid  cainnte  an  Eirinn  mar  a 
tha  i  aca  fhein,  muinntir  na  Mumhann  mar  a 
tha  i  aca  mu  dheas,  agus  muinntir  an  Conn- 
achtaibh  mar  a  tha  i  aca  an  iar,  agus  muinntir 
Tir  Chonaill  mar  a  tha  i  mu  thuath  ;  agus  cha 
do  mhill  sin  iad.  Tha  e  duilich  a  thuigsinn 
car  son  a  thigeadh  air  "  ceanntar  "  air  bith 
aca  a  chaochladh  a  dheanamh.  Agus  gabhaibh 
mo  leth-sgeal,  ach  chan  'eil  mi  idir  riarichte 
gur  ceum  gliocais  e  oidheirp  a  thoirt  air  fior- 
Leodhasach  a  chumail  ri  cainnt,  no  ri  sgriobh- 
adh, "  Caraid  nan  Gaidheal,"  no  ris  an  doigh- 
sgriobhaidh  a  bha  aig  an  OUamh  Gilleasbuig 
Mac-a-Chleirich,  an  Cill-mhailUdh. 
Tha  fhios  agam  gu  bheil  cainnt  mhin,  bheag, 


8 


LITIR  MU  SGRIOBHADH  GAIDHLIG— CEOL  A  CHRIDHE 


bhreagha,  air  a  labhairt  an  caochladh  aitea- 
chan  air  a'  Ghaidhealtachd  nach  'eil  daoine 
a  sgriobhadh  air  son  paipear  no  leabhar,  agus 
eagal  orra  nach  'eil  i  "  ceart,"  ach  is  i  tha 
ceart,  agus  a  bha  riamh  ceart.  Agus  faodaidh 
mi  aideachadh,  mar  is  eolaiche  tha  mi  dol  air 
de  is  Gaidhlig  an  Eirinn  gur  ann  is  motha  mo 
dhearbh  -  bheachd  gur  mor  a'  bhochdainn 
dhuinne  a  bhith  seachnadh  na  mion-chainnt 
choitcheann  air  ghaol  a  bhith  air  ar  comh- 
chumadh  gu  h-eigineach  ris  an  f  hior-bheagan  de 
nuadh  rosg  Gaidhhg  a  tha  cheana  clo-bhuailte  's 
an  tir  so.  Agus  ma  chaidh  aig  beagan  dhaoine 
air  eirigh  saor  as  an  t-saothair  sin  is  bochd 
nach  deanadh  an  t-iomlan  e.  Ach  is  beag 
eadhon  a  cheist  sin  an  coimeas  ris  a  bhochdainn 
is  motha  huileach,  gu  bheil  Gaidhealtachd  Alba 
a'  tuiteam  na  mirean  as  an  t-sealladh. 

Bu  mhath  leam  so  a  chur  thugaibh  a  leabhar 
Eireannach  a  f huair  mi  an  de,  agus  a  leugh 
mi  uile  an  de,  "  Mise  agus  an  Connradh  " 
a  sgriobh  an  sar-uasal  a  bha  'na  Ollamh  Nuadh- 
Ghaidhlig  an  Colaiste  na  h-Ollsgqile  am  Baile 
Atha  CUath,  Diibhghlas  de  h  Ide,  D.Litt., 
LL.D.,  M.R.I. A.,  agus  chan  'eil  beo  is  eolaiche 
air  an  dearbh  chuspair  na  e. 

Cuiream  dreach  Albannach  air. 

"  Na'm  bu  mhiann  leis  an  uair  sin  litreachadh 
na  Gaidhlige  mholadh  dh'  fhaodadh  e  radh 
gu'n  robh  e  fada  na's  simplidhe  agus  na's  so- 
thuigsinniche  na  a'  Bheurla,  agus  fichead  uair 
na's  riaghailtiche. 

Air  mo  shon  fhein  feumaidh  mi  aideachadh 
gu  bheil  lethcheud  facal,  de  na  facail  is  cum- 


anta  's  an  teangaidh,  nach  labhrar  miar  sgrio- 
bhar  iad,  mar  dearbhrathair,  deirbhshiiir,  aghaidh, 
agus  each.  Ach  an  deidh  teachd  a  steach 
orra  so,  do  dhuine,  cha  bhith  moran  trioblaid 
eile  air,  oir  labhrar  na  facail  eile  gu  ire  bheag 
mar  a  litrichear  iad,  agus  bu  duiUch  litreach- 
adh a  sholar  a  bhiodh  cho  urramach  sin  do'n 
Ghaidhlig  agus  a  tha  an  litreachadh  a  tha 
againn  a  nis.  B'  e  Muiris  a  cheud  fhear  a 
labhair  an  aghaidh  a'  chriochnachadh  a  tha  air 
briathran  araidh  mar  "  drdughadh  "  "  beann- 
ughadh  "  agus  each,  agus  tha  a'  chuid  is 
motha  de  sgriobhadairean  'ga  leantainn  a 
nis  anns  a'  cheist  sin.  Tha  mi  fhein  eadar 
dha  chomhairle  co  aca  a  sgriobhas  mi ' '  litriiigha- 
dh"  na  "  litriil  !  "  Tha  eagal  orm  nach 
bidh  mise  an  comhnuidh  air  an  aon  chomh- 
airle !  Tha  litreachadh  na  Gaidhlige  fada 
na's  mi-chinntiche  agus  na's  mi-riaghailtiche 
a  nis  na  bha  e.  An  uair  a  bha  mi  6g  lean  mi 
litreachadh  a'  Cheitinnich  agus  litreachadh  an 
Teagaisg  Chriosduighe  le  Mac  h  Eil  agus 
litreachadh  a'  Bhiobuill,  ach  a  nis  chi  mi  an 
uidhir  sin  de  mhodhaibh  litreachaidh  aig  luchd 
sgriobhaidh  an  latha  'n  diugh  nach  leur  dhomh 
e'  aite  a  bheil  mi.  Tha  fhios  agam  fhein 
nach  sgriobh  mi  an  comhnuidh  am  facal  ceudna 
air  a'  mhodh  cheudna,  agus  so  an  t-aite  ceart 
dhomh,  theagamh,  leth-sgeal  a  dheanamh  air 
a  shon." 

Cha  robh  latha  riamh  aca  an  Eirinn  le  leabh- 
raichean  Gaidhlig  mar  a  tha  e  aca  nis.  Tha 
leabhraichean  iira  aca  o  sheachdain  gu  seach- 
dain,  agus  nach  maith  dhaibh  fhein  sin  ? — ^Mise, 

Calum  Mac  Gilleathain,  Drochaid-Chonainn. 


Ceol  a  Chridhe 


CREID  mi,  cha  tig  stoirm  no  gailUonn 
As  an  adhar,  deas  no  tuath, 
Mar  a  dh'  eireas  anns  an  anam, 
'Nuair  a  sheideas  carraid  chruaidh. 

Annad  fein  tha  'n  ceol  a  ghluais  thu 
Air  a  luasgadh  leis  an  teud  ; 
Gleus  gu  tuireadh,  's  gleus  gu  luathghair, 
Fuaighte  riut  's  gach  ait  an  teid. 

Ceol  o'n  d'  fhuair  thu  gach  ni  luachmhor 
Ris  a  bheil  gach  buaidh  an  sas  ; 


Ceol  ad  chridhe,  ceol  ad  chluasan 
Fad  do  chuairt  o  d'  bhreith  gu  d'  bhas. 

An  ceol  as  binne  's  eol  do  'n  fhilidh, 
Cha  tog  piob  no  fiodhall  suas  ; 
An  ceol  thig  uairean  anns  a'  chridhe, 
'S  nach  gabh  liobhairt  anns  a'  chluais. 

Chaidh  an  ni  so  thar  do  thuigse  ! 
Bheil  thu  tuigsinn  ni  fo  'n  ghrein  ? 
Ciod  an  steidh  air  an  do  chluich  mi  ? 
Chluich  air  t'  f  haireachdainnean  fein. 


D.  M. 


Aireamh 


5 


938 


Fianuis  a'  Chreidmhich 

Leis  an  Ollamh  Calum  Mac  Gill-Fhinnein,  nach  maiheann 

"  Tha  sinn  air  ar  turns  a  chum  an  aite  mu'n  dubhairt  Dia,  Bheir  mi  dhuibh  e  ;  thig  thusa  maille  ruinn  agus 

ni  sinn  maith  dhuit." — Aireamh  x.  29. 


SO  mar  a  labhair  Maois  ri  Hobab.  Bha 
fhios  aige  gu  maith  co  ris  a  bha  e  a'  labhairt, 
agus  air  an  fheum  a  bha  aige  air  an  earail. 
Bha  fhios  aige  air  feabhas  a'  bhathair  a  bha  e 
a'  moladh,  agus  air  an  aobhar  sin  bha  duraehd 
spioradail  leis  an  earail. 

Is  e  sochair  mhor  a  tha  ann  do  dhuine  maith 
a  bhi  moladh  an  Tighearna  do  dhaoine  eile. 
Agus  ma  ni  e  sin  faodaidh  e  a  bhi  cinnteach 
nach  bi  Dia  an  deidh  laimhe  le  ghras  no  le 
bheannachd. 

Is  docha  nach  bi  e  furasd  dhuit  moran  a 
radh  chum  an  creideamh  a  mholadh  do  chach. 
Chan  'eil  fhios  an  urrainn  duit  facal  idir  a 
radh,  ach  nach  maith  nach  e  an  teanga  an 
aon  bhall  leis  am  faod  duine  labhairt  ri  cridhe 
agus  ri  coguis  a  cho-chreutair  !  Chan  e 
mhain  nach  e  sin  an  aon  doigh,  ach  chan  e 
idir  an  doigh  as  buadhaiche  air  am  faod  duine 
fianuis  a  thogail  air  taobh  Chriosd.  Tha 
feum  air  daoine  aig  a  bheil  eolas  agus  comas- 
labhairt,  is  tha  iad  air  uairean  ro-fheumail 
ann  an  sgir,  ach  is  feumaile  gu  mor  daoine 
ciiiin  diadhaidh  nach  fosgail  am  beul,  ach  a 
tha  gluasad  cho  faisg  air  Criosd  's  gu'n  can 
a  h-uile  duine,  "  Nach  iad  a  tha  coltach  ri 
Criosd  !  " 

An  uair  a  tha  duine  a'  moladh  Chriosd  le 
ionracas  a  bheatha,  faodaidh  tu  a  radh  gur  e 
a  tha  ann  searmon  air  a  sgeadachadh  am  fuil 
's  am  feoil,  a  tha  labhrach  an  cliu  agus  an 
gniomh,  agus  a  tha  a'  deanamh  sgeoil  as  tir 
gach  la  air  gradh  cruth-atharrachaidh  Dhe  do 
oighreachan  ifrinn. 

Ghluais  tri  nithean  mora  Maois  gus  an  earail 
ghlic  ud  a  thoirt  air  Hobab  : 

1.  "  Tha  sinn  air  an  t-slighe  Cheart," 

"  Tha  sinn  air  ar  turus  a  chum  an  aite  m'  an 
dubhairt  Dia  :  '  Bheir  mi  dhuibh  e.'  "  Ma's 
maith  beachd  a  ghabhail  air  slighe,  bi  cinnteach 
as  a  ceann-uidhe.  Tha  seorsa  de  rathad  ann 
ris  an  can  na  Frangaich  cul  de  sac,  no  mar  dh' 
fhaodamaid  a  chur  an  Gaidhlig,  "  mas  na 
seic."  Saoilidh  mi  gur  e  dealbh  a  tha  's  an 
fhacal  ;  tha  seic  an  sud  'n  a  sineadh  air  an 
talamh  agus  i  falamh.  Tha  luchag  a'  snotail 
mu  beul,  agus  tha  i   a'  gabhail  a  steach,  is 


uisge  air  a  fiaclan,  an  diiil  ri  banais,  ach  an 
uair  a  tha  brbnag  a'  ruighinn  mas  na  seice 
chan  'eil  fo  a  cothrom  ach  tilleadh  air  a'  chois- 
cheim  cheudna,  agus  chan  e  beannachd  a  tha 
i  toirt  air  a  saothair.  Bheil  fhios  a  bheil 
daoine  ann  a  tha  triall  air  rathad  "  mas  na 
seic  ?  "  Is  iadsan  a  tha  air  an  doigh.  Tha 
an  dochas  laidir  is  an  diiil  i-i  fleadh  is  fearas- 
chuideachd  aig  a'  cheann-uidhe.  Ach  bidh 
mas  na  seice  cho  falamh  dhaibhsan  agus  cho 
dionach  cuideachd  's  a  bha  e  air  choinnimh 
na  luchaig,  agus  chan  e  a'  ghloir  as  fhearr  a 
bhios  aca  tighinn  air  ais.  Bi  cinnteach  as  do 
cheann-uidhe  ! 

Tha  roidean  eile  ann  agus  tha  iad  reidh 
comhnard  fo'n  chois,  agus  tlachdmhor  do'n 
t-siiil,  ach  is  ann  a  tha  iad  a'  treorachadh  do'n 
mhonadh,  agus  a'  tighinn  gu  crioch  an  aite 
fasail.  Faodaidh  monadh  a  bhi  breagha  gu 
leor,  ach  air  cho  breagha  's  gu'm  bi  e,  cha  dean 
duine  a  dhachaidh  ann  le  dheoin.  Faodaidh 
am  monadh  as  breagha  tionndadh  gu  bhi  cho 
uamhalta  fiadhaich  's  nach  toir  am  beo  as  ach 
am  fiadh-bheathach  is  biasdan  snaigeach. 
Cha  leor  do  shlighe  a  bhi  ruith  car  greis  troimh 
dhiithaich  alainn  is  troimh  fhearann  tlachd- 
mhor, ma  's  e  fasach  falamh  Ian  ulfhartaich 
as  ceann-uidhe  dhi.  Bi  cinnteach  a  ceann- 
uidhe  as  fhiach  an  t-saothair  ! 

Is  e  a  tha  an  so  slighe  a  tha  deanamh  ball 
direach  air  oighreachd  shiorruidh  :  "  aite 
mun  d'thuirt  Dia  :  '  bheir  mi  dhuibh  e.'  " 
Chan  'eil  i  gle  f  hurasd  a  coiseachd  :  is  ann 
amhghaireach  gu  leor  a  tha  i  gle  thric.  Ach 
ged  tha  sin  f  ior  chan  'eil  ceum  dhi  nach  'eil  Dia 
fhein  a'  gabhail  a'  cheum-toisich,  agus  'n  a 
fhear-dion  air  an  taobh  chiiil.  "  Oir  gluaisidh 
an  Tigheania  I'oimhibh,  agus  cuairtichidh  Dia 
Israeil  sibh  air  an  taobh  chiiil." 

Is  e  cheisd  mhor,  is  a'  cheud  cheisd,  a  thaobh 
rathad  sam  bith  :  an  e  an  rathad  ceart — ^an  e 
so  an  rathad  ceart  a  dh'ionnsaigh  an  aite  mu'n 
d'thuirt  Dia  :  "  Bheir  mi  dhuibh  e  ?  "  Chan 
e  idir  :  A  bheil  e  furasd  no  duiUch — buan  no 
goirid — cas  no  comhnard  ?  Ma  tha  thu  air 
an  rathad  cheart,  co  dhiiibh  tha  do  cheum 
luath  no  mall,  fann  no  suigeartach,  tha  h-uile 
ceum  'g  a  do  thoirt  na's  fhaisge  air  ceann- 
uidhe  nan  naomh. 


2 


FIANUIS  A'  CHREIDMHICH 


Agus  biodh  fhios  agad  nach  'eil  roghainn 
anns  a'  chuis.  Chan  'eil  ann  ach  a07i  rathad 
a  tha  treorachadh  a  chum  a'  Bhaile  Naoimh. 
Chuala  mi  searmon  mor  comasach  aon  uair  air 
"  An  da  gheata  dheug  "  a  chunnaic  Eoin  air  an 
Jerusalem  Naomh.  Thuirt  an  searmonaiche 
moran  a  bha  fior  agus  oideachail.  Labhair  e 
gu  cothromach  air  cumadh  a'  bhaile  :  ceithir 
chearnach,  agus  tri  geatachan  air  gach  taobh 
dheth,  ni  tha  teagasg  dhuinn  nach  'eil  airde 
as  an  tig  sluagh  nach  'eil  geatachan  air  a' 
bhaile  fa'n  comhair.  Agus  a  thuilleadh  air  an 
sin,  nach  'eil  gne  dhuine  nach  f  haod  a  rathad  a 
dheanamh  a  dh'ionnsaigh  Neimh.  Tha  sin  uile 
fior  agus  gidheadh  chan  'eil  ach  an  aon  rathad 
air  an  ui-rainn  aon  pheacach  a  shlighe  dheanamh 
eadar  Baile  an  Leir-sgrios  agus  an  Jerusalem 
Naomh.  Tha  an  rathad  sin  a'  gabhail  direach 
troimh  theis  -  meadhon  Chalbhari  —  "  slighe 
nuadh  agus  bheo."  Is  e  losa  Criosd  an  aon 
slighe  sin,  oir  nach  d'thuirt  e  fhein  :  "Is  mise 
an  t-slighe  ?  " 

Chan  e  an  aon  doigh  air  a  bheil  daoine  air 
an  dusgadh.  Smaoinich  air  Sacheus  agus  air 
Pol,  no  air  Nicodemus  agus  air  Lidia.  Cha 
chordadh  iad  idir  mu'n  dusgadh.  Ach  chan 
ionnan  diisgadh  agus  a  bhi  anns  an  t-slighe. 
Fhuair  Simon  dusgadh,  ach  an  robh  e  ann  an 
Criosd?  Ma  tha  neach  ann  an  Criosd  tha  e 
anns  an  t-slighe  :  mur  'eil  neach  ann  an  Criosd 
chan  'eil  e  anns  an  t-slighe.  Is  e  Criosd  ayi  aon 
slighe  eadar  staid  peacaidh  agus  staid  tear- 
naidh.  Feuch  gu  bheil  thu  air  an  t-slighe 
cheart. 

2.  "  Tha  sinn  's  a'  chuideachd  cheart." 

"  Labhair  an  Tighearna  maith  a  thaobh 
Israeli,"  agus  cha  ghabh  e  aithreachas  as  a 
chaoidh. 

"  Oir  lacob  fos  do  roghnaich  Dia, 
'N  a  throcair  mhoir  dha  fein : 
Dha  fein  mar  ionmhas  is  mar  sheilbh, 
Do  thagh  e  Israel."     (Sabn  135,  4.) 

Is  beannaichte  an  sluagh  a  roghnaich  Dia  mar 
oighreachd  dha  fein.  Is  beannaichte  a  bhi 
dhiiibh  agus  'n  an  cuideachd.  Sud  far  a  bheil 
an  sluagh  sona,  agus  sin  air  son  aobhar  no 
dha  :  (1)  Tha  iad  'n  an  sluagh  air  leth.  "  Co 
tha  cosmhail  riut  ?  " — chan  'eil  an  samhuil  air 
uachdar  na  talmhainn.  Chan  'eil  iad  ann  a 
tha  cho  uasal  is  gidheadh  cho  iriosal  ;  cho 
bochd  is  gidheadh  cho  saoibhir  ;  cho  anfhann 
is  gidheadh  cho  curanta. 

'*  Tha  mi  bochd  's  a  ghnath  Ian  saoibhris, 
Br6nach  'n  a  mo  chonn  's  Ian  aoibtmis, 
Bacach  leointe  's  mi  Ian  choimhliont, 
Mall  's  a'  ruith  gu  teann  le  cabhaig : 

An  seann  duin'  'g  am  fhagail  daoibhir, 
'S  e  'n  duin'  6g  mo  shaoibhreas  falaicht." 


(2)  Tha  iad  'n  an  sluagh  a  chaidh  a  shaoradh  : 
"  O  shluagh  a  chaidh  a  shaoradh  leis  an  Tigh- 
earna." Tha  an  t-saorsa  sin  'n  a  ni  cho  mor 
's  cho  glormhor  's  nach  'eil  e  an  comas  neach 
air  bith  cainnt  a  chur  air.  Tha  siorruidheachd 
de  shonas  anns  an  fhacal,  is  nach  fhuilear  do 
Dhia  an  t-siorruidheachd  gu  leir  a  chum 
lanachd  brigh  an  fhacail  a  chur  an  seilbh  an 
anama,  "  Chan  fhaca  siiil,  agus  cha  chuala 
cluas,  agus  cha  d'thainig  ann  an  cridhe  duine, 
na  nithean  a  tha  Dia  ag  uUachadh  dhaibhsan 
aig  a  bheil  gradh  dha."  Co  nach  deanadh 
gairdeachas  le  aoibhneas  air  dol  thar  labhairt 
is  Ian  de  ghloir,  's  a  bhi  air  aireamh  na  cuideachd 
bheannaichte,  a  tha  air  an  sloinneadh  air  Dia 
nan  gras  agus  a'  ghraidh — a'  chuideachd  as 
fhearr. 

3.  "  Tha  Feum  againn  air  a  cheile." 

"  Ni  sinn  maith  dhuit  "  agus  "  bidh  tu 
dhuinn  an  aite  siiilean."  Tha  feum  aig  daoine 
air  a  cheile,  is  an  aghaidh  air  an  t-siorruidh- 
eachd. "  Ni  sinn  maith,  dhuit,"  arsa  Maois 
ri  Hobab,  duine  tiirail  toinisgeil,  ach  duine  a 
bha  'n  a  choigreach  air  Dia  nan  gras.  Agus 
fhad  's  a  bha  e  'san  t-suidheachadh  sin  cha 
b'urrainn  a  chor  air  fheabhas  a  bhi  ach  truagh. 
An  d'fhuair  thu  bias  air  milseachd  a  ghrais  ? 
Feuch  nach  cleith  thu  e.  An  uair  a  fhuair 
thu  sin  fhuair  thu  sochair  as  luachmhoire  na'n 
t-or — sochair  maith  siorruidh  a  dheanamh 
do'n  duine  tha  aineolach  air  Dia.  Faodaidh  e 
bhi  cho  ealanta  easgaidh  an  dleasdanasan  an 
latha  ris  a'  chaillteanach,  ach  a  cheart  cho 
aineolach  ris  'san  treas  caibdil  deug  thar  an  da 
fhichead  a  dh'fhaidhdeireachd  Isaiaih.  Soilleir 
dealrach  's  mar  a  tha  an  raon  sin  tha  e  cur 
feum  air  facal  seolaidh  uait.  Gabh  air  laimh 
e,  mar  a  rinn  Philip  air  a'  chaillteanach,  agus 
thoir  leat  e  gu  bonn  a'  Chi'oinn-cheusaidh. 
As  an  sin  theid  e  "  air  aghaidh  le  gair- 
deachas." 

Tha  sinn  a'  cur  feum  cuideachd  air  tiir  agus 
toinisg  gach  Hobab  a  tha  'san  sgire.  O,  nach 
tigeadh  iad  maille  ruinn  !  An  sin,  air  dhaibh 
iad  fhein  a  thoirt  air  tus  do'n  Tighearna,  bhiodh 
iad  dhuinne  an  aite  siiilean — daoine  'san  tiir 
'san  toinisg  air  a  choisrigeadh  chum  leas  agus 
buannachd  aobhar  Dhe  anns  an  t-saoghal. 
Comhla  ris  gach  firinn  mhor  spioradail  a  tha 
'san  iomradh  air  long-bhriseadh  an  Abstoil, 
tha  firinn  shonraichte  anns  na  briathran  a 
thuirt  Pol  ris  a'  cheannard-ceud,  is  e  gabhail 
ealla  ris  na  maraichean  a'  feuchainn  ri  goid  air 
falbh  leis  a'  bhata  bheag  :  "  Mur  fan  iad  sin 
'san  luing  chan  'eil  e  an  comas  duibh  a  bhi  air 
bhur  teasairginn."  Tha  sitm  a'  cur  feum  air 
a  cheile  ! 

"  Agus  tarlaidh,  ma  theid  thu  maille  ruinn, 
seadh  tarlaidh,  ge  b'e  maith  a  ni  Dia  dhuinne, , 
gu'n  dean  sinne  am  maith  ceudna  dhuitse." 


AIG  AN  UINNEIG 


Aig  an  Uinneig 


Aisling  na  Beatha 

SIN  an  t-ainm  a  thug  Seumas  D.  Mac  Dhonn- 
chaidh  do  leabhar  a  sgriobh  e,  leabhar  a 
tha  air  a  chur  a  mach  am  Beurla  le  beannachd 
an  Ollaimh  Ro-Urramaich,  Lachlainn  Mac 
Gill-Eathain  Watt,  a  tha  ag  radh  uime  air  a' 
chlar-thoisich,  "  So  leabhar  a  thainig  a  mach 
a  cridhe  Gaidheil,  a  bha  a'  cuimhneachadh 
agus  a'  meomhrachadh  air  na  laithean  a  dh' 
aom,  am  feadh  's  a  bha  e  a'  seoladh  air  Seachd 
Cuantan  an  Domhain.  Chuir  e  gaol  a  chridhe 
anns  an  leabhar  so  ;  leabhar  a  gheibh  aite 
dha  f^in." 

Cha  bu  mhisd  an  leabhar  a  bhi  na  bu  ghiorra 
na  tha  e.  An  uair  a  tha  thu  ag  eisdeachd  ri 
duine  ag  innseadh  naidheachd,  is  maith  leat 
gu'n  cumadh  e  direach  air  a  cheum,  gun 
tionndadh  a  dh'  ionnsuidh  na  laimhe  deise 
no  na  laimhe  clithe,  ach  air  uairean  tha  an 
naidheachd  anns  an  leabhar  so  a'  stad  am 
meadhon  a  h-innsidh  gus  cothrom  a  thoirt 
do'n  iighdar  iomradh  a  dheanamh  air  Fionn 
agus  air  Oscar  agus  air  seann  sgeulachdan 
eile  air  a  bheil  gaol  aige.  Bu  mhaith  leis 
sgeulachdan  a  dhaoine  a  chumail  air  chuimhne, 
na  sgeulachdan  a  bha  air  an  innseadh  anns  na 
tighean-ceilidh  an  Rainneach  agus  an  Gleann 
Liomhunn  anns  na  seann  laithean.  Tha 
aileadh  ciibhraidh  nan  seann  laithean  sin  ri 
fhaotainn  air  gach  duilleig  de'n  leabhar. 

Tha  naidheachd  ghrinn  ann,  a  ghabhadh 
deagh  innseadh  a  dheanamh  oirre,  mu  mhinis- 
tear  6g,  Ailean  Mac-an-Rothaich,  a  rugadh 
anns  a'  Ghleann-dubh  (gleann-gaoil  an  iighdair), 
a  dh'  fhag  eaglais  'aithrichean  agus  a  chaidh  a 
steach  do'n  eaglais  Shasunnaich,  air  ghaol 
raon  farsuing  fhaotainn  anns  an  oibricheadh  e. 
Tha  e  air  innseadh,  ceum  air  cheum,  mar 
chaidh  dha,  an  soirbheachadh  a  bha  aige  an 
toiseach  agus  an  amhghar  a  dh'  fhuiling  e 
air  a'  cheann  mu  dheireadh  a  chionn  nach 
robh  a  theagasg  no  fhianuis  a'  freagairt  air 
maithean  agus  cumhachdan  an  t-saoghail. 
Anns  an  naidheachd  gheibhear  dealbh  air 
iomadh  duine  gasda  ;  athair  a'  mhinisteir 
oig  ;  DomhnuU  Mac  Fhearghuis,  maighstir- 
sgoil  a'  Ghlinn  Dhuibh  ;  an  t-Easbuig  Allenby, 
a  bha  mar  athair  dha  ;  Mairi  ghaolach,  nighean 
an  Easbuig,  a  phos  e  agus  a  thug  e  leis 
dhachaidh  do'n  Ghleann  Dhubh  ;  Joseph  Mac 
Dhaibhidh,  saor  maith  agus  duine  neo-eisio- 
maileach  a  dh'  fhag  an  Gleann  Dubh  agus  a  . 
chaidh  a  dh'  iarraidh  an  fhortainn  do  mheadhon 
Shasuinn,  far  an  do  thachair  e  fein  agus  Ailean 
Mac-an-Rothaich  air  a  cheile  ;  Iseabal  Chaim- 
beul,  boirionnach  deanadach,  dileas,  aig  an 
robh  teanga  gheur  leis  am  biodh  i  a'  toirt 
sgraillidhean  searbha  air  leisgearan  agus  air 
daoine  gun  sgoinn  ;   tha  iad  sin  agus  feadhainn 


eile  air  an  tarruing  le  Mghr  Mac  Dhonnchaidh 
le  suil  agus  le  larhh  choibhneil.  Am  measg 
nan  naidheachdan  beaga  a  gheibhear  anns  an 
leabhar,  air  am  filleadh  mu'n  naidheachd 
mhor,  faodaidh  mi  an  te  so  innseadh.  "  Bha 
e  air  a  radh  anns  a'  Ghleann  gu'm  biodh  am 
foirbheach  "  a'  faicinn  sheallaidhean  ;  "  gu'm 
biodh  an  Diabhol  a'  tighinn  chuige,  a  dh' 
iarraidh  air  an  tuilleadh  cothroim  a  thoirt 
dha.  Ach  cothrom  no  cothrom  cha  tugadh 
am  foirbheach  do  Shatan.  Air  chiil  tigh  an 
fhoirbhich  bha  badan  coille  far  am  biodh  Satan 
agus  e  fein  a'  gleachd  r'a  cheile,  agus  air 
uairean  bhiodh  an  gleachd  cho  cruaidh  agus 
an  glaodhach  cho  ard  's  gu'm  biodh  treabh- 
aiche  an  fhoirbhich  a'  cur  a  chinn  fo'n 
aodach  anns  an  leabaidh  leis  an  eagal,  gus  nach 
mor  nach  biodh  e  air  a  thacadh  le  cion  analach. 
Ach  ged  bha  cridhe  an  treabhaiche  air  chrith 
leis  an  eagal  bha  uiread  caile  aige  air  Satan 
fhaicinn,  agus  c6  ris  a  bha  e  coltach,,  's  gu'n 
do  chuir  e  roimhe  gu'n  streapadh  e  do  the  de 
na  craobhan  ann  an  dorchadh  na  h-oidhche  a 
dh'  fhaicinn  agus  a  dh'  eisdeachd  ri  Satan  agus 
a  mhaighstir  a'  dol  am  bad  a  cheile.  Is  ann 
mar  sin  a  bha  ;  chrup  e  e  fein  'n  a  ghurrach 
casa-gobhlach  air  meanglan  laidir  ;  an  ceann 
greis  faicear  an  dithis  a'  teannadh  dliith  air 
a  cheile  is  cluinnear  argumaid  agus  connsa- 
chadh  teth  eatorra.  Bha  iad  a'  sraideam- 
achd  air  an  ais  agus  air  an  aghaidh,  a'  fas 
na  bu  teotha  agus  na  bu  teotha  'n  an  comhstri, 
ach  air  dheireadh  thall,  'nuair  a  bha  an  t-am 
a'  tarruing  dltith  aig  am  feumadh  an  Diabhol 
falbh,  sheas  e  fo'n  chraoibh  anns  an  robh  an 
treabhaiche  air  farchluais,  is  thubhairt  e  ris 
an  fhoirbheach  le  frionas  agus  le  caise,  "  A 
dhuine  dhannarra  agus  neo-reusonta,  dhiiilt 
thu  dhomh  a  h-uile  ni  a  dh'  iarr  mi  ort  an 
nochd,  ach  m'  am  falbh  mi  thoir  dhomh  an 
t-eun  a  tha  air  spiris  anns  a'  chraoibh  so," 
agus  e  a'  sineadh  a  chorraig  air  a'  mheanglan 
a  bha  an  treabhaiche  casa-gobhlach  air. 
Bhriichd  fallus  fuar  a  mach  air  gach  por  ann 
an  corp  an  treabhaiche  ;  dh'  fhag  a  thiir  's 
a  chainnt  e,  is  dh'  fhas  e  cho  lag  's  gur  gann 
a  b'  urrainn  dha  greim-bais  a  chumail  air  a' 
mheanglan.  Anns  a'  chas  chruaidh  anns 
an  robh  e,  thoisich  e  air  urnuigh  ;  ag  iirnuigh 
nach  toireadh  am  foirbheach  thairis  e  do 
namhaid  anama.  Ach  cha  robh  facal  a' 
tighinn  a  beul  am  fhoirbhich.  An  sin  thubh- 
airt an  Diabhol  a  ris,  "  Tha  thu  a'  toirt  an 
coin  dhomh,  nach  'eil  !  "  Dhuin  an  treabh- 
aiche a  shiiilean,  agus  e  a'  saoilsinn  gu  robh 
e  a  nis  ullamh,  ach  an  uair  a  chual  e  am  foir- 
bheach ag  radh,  "  Cha  toir  mise  dhuit,  a 
Shatain,  rud  air  bith  nach  leam,"  ghlac  e 
misneach  is  dh'  f  hosgail  e  a  shiiilean,  is  chunn- 


AIG  AN  UINNEIG 


aic  e  an  Diabhol  a'  dol  as  an  t-sealladh  ann 
an  lasair  uaine,  ach  dh'  fhag  e  'n  a  dheidh 
aileadh  pronnuisc  a  bha  eagallach." 

B'  fhada  o  cheile  an  togail  a  fhuair  Mairi 
Allenby  agus  muinntir  a'  Ghlinne  anns  an 
d'  thainig  i  a  chomhnuidh,  ach  ma  bu  mhaith 
leat  fhios  a  bhi  agad,  a  leughadair,  ciamar  a 
chaidh  dhise  agus  do  Ailean  am  measg  a 
dhaoine-san,  chan  'eil  agad  ach  an  leabhar  so  a 
leughadh.  Tha  e  air  a  chur  a  mach  le  Williams 
agus  Norgate,  an  Lunnainn,  agus  a'  cosd 
leth-ghini.  Ach  chuala  mi  gu  bheil  e  ri  bhi 
air  a  chur  air  a'  mhargadh  as  iir  le  Alasdair 
Mac  Labhrainn,  an  Glaschu. 

Homer  an  Gaidhlig 

Tha  iomadh  la  o  nach  do  leugh  mise  sreath 
de  bhardachd  Homer,  gus  an  d'  fhuair  mi 
leabhar  ur  bho  chipnn  ghoirid  anns  a  bheil  an 
ranntachd  anns  an  do  chuir  an  t-Ollamh 
Eoghan  Mac  Lachlainn  cuid  de  bhardachd 
Homer  an  Gaidhlig. 

Tha  an  leabhar  air  a  chur  a  mach  air  chosdus 
agus  le  iighdarras  Oil-thigh  Obar  Dheathain, 
le  cuideachadh  bho  Airgiod  Charnegie  agus 
Airgiod  Chatriona  Nic  Caoig,  agus  air  a 
dheasachadh  le  Iain  Domhnullach,  M.A.,  a 
tha  teagasg  Gaidhlig  anns  an  Oil-thigh.  A 
thuilleadh  air  ochd  Duain  de'n  Iliad  aig  Homer 
air  an  tionndadh  gu  Gaidhlig,  tha  a  h-uile 
crioman  eile  de  bhardachd  Eoghain  Mhic 
Lachlainn  ri  fhaotainn  anns  an  leabhar  so, 
is  tha  sin  uile  air  a  chur  air  ar  beulaibh  gu 
h-ordail  leis  an  fhear-dheasachaidh,  agus 
cunntas  air  beatha  agus  obair  Mhic  Lachlainn, 
is  mineachadh  air  rud  no  dha  air  an  robh 
mineachadh  feumail.  Tha  aobhar  aig  Gaidheil 
aig  a  bheil  high  ann  an  litreachas  an  duthcha 
a  bhi  an  comain  an  fhir-dheasachaidh  air  son 
an  leabhair  so,  agus  an  comain  Oil-thigh  Obar- 
Dheathain  a  chosd  ris. 

Bha  an  sgoilearachd  ann  an  Eoghan  Mac 
Lachlainn  gu  nadurra,  agus  gaol  air  eolas. 
An  uair  a  chuimhnichear  gu  robh  e  tri  bUadhna 
fichead  m'  an  deachaidh  e  do'n  Chollaist,  agus 
gu'n  do  shiubhail  e  m'  an  robh  e  buileach 
leth-cheud,  agus  gu'm  b'  fheudar  dha  oibreach- 
adh  gu  cruaidh  uile  laithean  a  bheatha  air 
nithean  eile  nach  buineadh  do  Ghaidhlig,  tha 
e  'n  a  ionghnadh  gu'n  deachaidh  aige  air  na 
rinn  e  a  dheanamh.  Cha  robh  e  riamh  "  fo 
shlait  iaruinn  ban-mhaighstir  iarnaidh  na 
sgreatachd,"  mar  thubhairt  e  fein  ris  an  leisg. 

Mur  robh  a'  bhardachd  cho  nadurra  dha  's 
a  bha  i  do  Dhonnchadh  Ban  bha  ealadhain  aige 
air  ranntachd  ;  agus  eadar  sin  agus  cluas 
mhaith  a  bhi  aige,  agus  inntinn  laidir,  agus 
eolas  air  iomadh  seorsa  bardachd,  agus  gu 
leor  de  Ghaidhlig  mhaith,  rachadh  aige  air 
dain  agus  orain  a  dheanamh  uair  air  bith  a 
thogradh  e  ;    dain  agus  orain  a  tha  air  uairean 


ro-mhaith  ;  air  uairean  eile  meadhonach 
maith,  ach  nach  'eil  uair  air  bith  dona.  Anns 
na  dain  anns  an  lugha  a  bheil  de  "  anail  na 
beatha  "  tha  facail  agus  sreathan  as  am  faod- 
adh  bard  air  bith  a  bhi  uasal. 

Ann  an  ranntachd  agus  ann  an  tathadh 
fhacal  ri  cheile  bha  an  t-Ollamh  Eoghan  Mac 
Lachlainn  'n  a  dheagh  fhear-ceairde,  agus  b'  e 
an  ealadhain  sin  a  bha  air  a  laimh  a  thug  air 
toiseachadh  air  Homer  a  chur  ann  an  deise 
Ghaidhealaich,  ach  ciod  air  bith  a  their  daoine 
eile,  chan  'eil  mise  a'  creidsinn  gu  bheil  deise 
Ghaidhealach  a'  freagairt  air  Homer.  Tha 
an  seorsa  bardachd  a  rinn  Homer  car  sgitheil, 
eadhon  an  Greigis,  agus  na's  sgitheile  air  fad 
an  Gaidhlig  ;  ma  dh'  eisdeas  tu  ri  duine  'g  a 
leughadh  fichead  mionaid  tuitidh  tu  'n  ad 
leth-chadal,  a'  cluinntinn  fuaim  mar  gu'm 
biodh  torman  uillt  ach  gun  t'  inntinn  a'  greimea- 
chadh  air  dad  idir.  Tha  Homer  ann  an  Gaidh- 
lig na's  ceothaire  na  tha  e  ann  an  Greigis. 

Ach  chan  'eil  so  a'  ciallachadh  nach  do  rinn 
Eoghan  Mac  Lachlainn  an  obair  gu  maith  ; 
theagamh  nach  deanadh  duine  eile  i  na  b' 
fhearr,  agus  tha  facail  agus  sreathan  air  a 
feadh  uile  a  bheir  solas  do  dhuine  air  bith  aig 
a  bheil  tlachd  ann  an  grinneas  cainnte. 

Lean  e  ris  na  h-ainmean  a  tha  air  na  daoine 
anns  a'  Ghreigis,  theagamh  a  chionn  gu  bheil 
iad  uasal  agus  aithnichte  do'n  t-saoghal  uile, 
ach  tha  "  Eachann  "  agus  "  Eilidh  "  a  cheart 
cho  uasal  ri  "  Hector  "  agus  "  Helen."  Ach 
chan  'eil  fhios  agam  car  son  nach  do  lean  e  ri 
"  Achilles,"  oir  tha  "  Achilles  luath  "  na's 
uaisle  na  "  an  t-Aichioll  corr." 

Tha  ainmean  dhaoine  agus  ainmean  dhiathan 
ann  am  bardachd  Homer  duihch  an  laimh- 
seachadh,  ach  is  e  na  frith-fhacail  leis  a  bheil  e 
a'  sonrachadh  dhaoine  chum  gu'n  aithnich 
sinn  iad  aon  de  na  solasan  a  tha  Homer 
a'  toirt  dhuinn.  So  mar  tha  Eoghan  Mac 
Lachlainn  a'  sonrachadh  Helen,  ribhinn 
"  aillidh  nan  6r-chiabh,"  "  Helen  bu  riomhach 
ciabh,"  "  leug  na  feile,"  "  Helen  nan  rosg 
mall,"  "  Helen  nan  6r-chleachd,"  "  Helen 
nam  maoth-rosg  tlath,"  "  Helen  nan  sul 
tlath,"  "  Helen  nan  6r-chuach,"  "  Helen  an 
or-chiiil,"  agus  so  mar  tha  e  a'  sonrachadh 
Hector,  "  Hector  an  t-uasal  deas,"  "  Hector 
nan  conn,"  "  Hector  nan  glonn  mor,"  "  Hector 
bu  mhordhach  gniiis,"  "  Hector  euchdach 
nan  ath-linn,"  "  Hector  nam  beum  dliith," 
"  Hector  nan  cruaidh  euchd."  Mar  bhall- 
sampuill  de  ranntachd  an  Ollaimh  Mhic 
Lachlainn,  faodaidh  mi  na  sreathan  a  chur 
sios  air  an  duilleig  so,  anns  a  bheil  e  air  innseadh 
mu'n  tapaid  uamhasaich  a  rinn  Hector  agus 
Aiax. 

Thug  Aix  gu  Hector  leum, 

'S  buailear  sad  air  a  sgeith  chruinn  ; 

Thoirchuir  na  cuilg  a'  chliath  reidh, 

'S  chuir  breisleach  air  ceill  an  t-suinn. 


AIG  AN  UINNEIG 


Sgriob  thar  amhaich  a'  ghlochd  shearbh, 

'S  bhruchd  an  dearg-fhuil  'n  a  sruth  cas, 

Ach  dh'  at  Hector  nan  colg  geur, 

'S  loisg  an  t-ardan  gu  euchd  bras  ; 

Thog  am  fuirbidh  'na  chrom-dhoid 

Clach  dhiibh  dhobhaidh  chairgneach  chruaidh 

Bhiiail  e  'n  t-seachd-sheicheach  's  a'  chleith, 

'S  chluinnt'  a'  phrais  gu  leir  a'  fuaim. 

Thog  Aiax  far  chluain  an  fhuinn 

Pluchd  bu  mhor-thruime  's  i  cruinn, 

Shuain  e,  's  thilg  's  an  speur  am  meall 

Le  neart  uaimhreach  a  gharbh-chuim 

Thuirling  faob  bu  ghailbheach  deann 

'S  bhruan  i  'n  Sgiath  'na  spealgaibh  pronn 

Reub  i  gluinean  an  t-sar  shuinn, 

Thuit  e,  's  bhuail  a  dhruim  am  fonn. 

Tha  mi  an  dliil  gun  d'  fhag  am  fear-deasach- 
aidh  litreachadh  nam  facal  mar  a  fhuair  e  e, 
ann  an  tomhas  mor  co  dhiu,  ach  dh'  fhaodadh 
e  rud  no  dha  atharrachadh  gun  eagal  a  bhi 
air  nach  robh  e  ceart  no  suairce  dha  sin  a 
dheanamh,  a  chionn  gu  robh  an  t-Ollamh 
Eoghan  Mac  Lachlainn  'n  a  dhuine  ainmeil 
agus  'n  a  sgoilear  maith  ;  thar  an  aite  thair, 
chunnaic  an  aite  chunnaig,  ge  an  aite  ga,  c'uim 
an  aite  c\im,  agus  iomadh  rud  beag  eile  de'n 
t-seorsa  sin. 

Theagamh  gu  bheil  cuid  de  sgoilearan  oga 
an  latha  so  an  diiil  nach  'eil  dad  aig  Eoghan 
Mac  Lachlainn  ri  theagasg  dhaibh  a  chionn 
nach  b'  aithne  dha  laghanna  Ghrimm  no 
sloinntearachd  fhacal  mar  is  aithne  dhaibh 
fein,  ach  chan  'eil  sgoilear  og  (no  sean,  dh' 
fhaodainn  a  radh)  anns  an  diithaich  nach  b' 
fheairrd  suidhe  seachd  bliadhna  aig  casan  an 
OUaimh  so,  agus  air  mo  shon  fein  dheth,  ged 
shuidhinn  fichead  bliadhna  aig  a  chasan, 
bhithinn  f  hathast  ag  ionnsachadh  ;  chan  ann 
ag  ionnsachadh  laghanna  Ghrimm  ach  ag 
ionnsachadh  Gaidhlig.  Bha  Gaidhlig  mhaith 
aig  Eoghan  Mac  Lachlainn,  agus  barrachd  dhi 
na  tha  aig  duine  eile  an  Albainn  an  diugh  ; 
bha  a  thri  uiread  fhacal  'n  a  chliabh  na  tha  'n 
am  chliabh  bochd  fein,  facail  nach  cuala  mi 
riamh  o  bheul  duine  eile. 

Thug  mi  an  aire  gu  bheil  e  gaolach  air  na 
facail  so  biuhhaidh,  nach  cuala  mi  riamh,  agus 
griosam,  anns  an  t-seagh  cheart,  a'  ciallachadh 
guidhe  no  aslachadh.  Ann  an  cuid  de  'n 
Ghaidhealtachd  cha  do  thuit  am  facal  so  bho 
a  sheann  inbhe  f  hathast,  ach  ann  an  aitean  eile 
tha  gnosadh  air  tuiteam  cho  iosal  's  gu  bheil 
an  neach  a  ghriosas  a'  toirt  ainm  Dhe  an 
diomhanas. 


Am  Braghaid  Albann  ainmeil 

Sin  an  t-ainm  a  tha  an  t-Urramach  Uilleam 
A.  Mac  Gill-Iosa,  B.D.,  ministear  na  Ceann- 
mhor,  a'  dol  a  thoirt  do  leabhar  a  tha  e  a' 
dol  a  chur  a  mach  gu  goirid.  Tha  cuid  de 
leabhraichean  air  an  sgriobhadh  mu'n  Ghaidh- 
ealtachd an  diugh  anns  nach  'eil  dad  ach  brochan 


tana,  brochan  air  ath-teodhadh,  ach  is  e  so 
leabhar  as  fhiach  leabhar  a  I'adh  ris,  oir  tha 
fichead  bliadhna  agus  an  corr  bho  thoisich 
Mghr  Mac  Gill-Iosa  air  cruinneachadh  an  eolais 
a  gheibhear  anns  an  leabhar  mu  eachdraidh 
Bhraghaid  Albann.  An  tus  a  mhinistrealachd 
anns  a'  Cheann-mhor  bha  e  cho  fortanach  's 
gu'n  d'  fhuair  e  ciste  Ian  phaipearan  mu 
oighreachd  Bhraghaid  Albann  on  mhinistear 
a  bha  roimhe  anns  an  aite,  an  t-Urramach  J.  B. 
Mac  Coinnich  ;  agus  mar  a  threoraicheas  aon 
rud  duine  gu  rud  eile,  lean  e  air  siubhal  an 
sud  agus  an  so,  an  leabhraichean  agus  bho 
sheanchas  sheann  daoine,  gus  nach  'eil  an 
diugh  duine  eile  air  taobh  seach  taobh  de 
Loch  Tatha  d'  an  aithne  na  cnuic  agus  na 
daoine,  agus  eachdraidh  na  duthcha,  mar  is 
aithne  dha. 

Chan  urrainn  mi  innseadh  ciod  a'  phris  a 
bhios  an  leabhar,  no  c'  uin  a  thig  e  a  mach,  ach 
leugh  mi  cuid  de  na  duilleagan  cheana,  agus 
bu  mhaith  learn  a  mholadh  do'n  h-uile  duine 
aiff  a  bheil  buintealas  ri  Braffhaid  Albann,  no 
aig  a  bheil  gaol  air  seann  nithean  agus  air 
eachdraidh  na  Gaidhealtachd. 

Chan  'eil  dim,  no  cnoc,  no  cearcall-chlach  ; 
caisteal,  no  clach-aoraidh,  no  seann  chladh, 
eadar  Fartar-chill  agus  Tigh-an-droma  nach 
aithne  do  Mghr  Mac  Gill-Iosa  ;  cha  mho  a 
tha  duine  de'n  t-seann  stoc  eadar  Obar  Pheall- 
aidh  agus  a'  Chrion-lairich  nach  aithne  dha 
CO  iad,  agus  c6  bhuaith  a  thainig  iad,  agus  co 
d'  an  daoine  a  bha  air  an  crochadh,  no  air  am 
fuadach  as  an  duthaich,  no  a  shiubhail  gu 
seimh  agus  gu  diadhaidh  'n  an  leapanna. 

Bithidh  rud-eigin  anns  an  leabhar  so  do'n 
h-uile  seorsa  dhaoine  ;  a'  chuid  aig  a  bheil 
iiigh  ann  an  obair  na  h-eaglais  agus  ann  am 
beatha  nan  naomh  gheibh  iad  ann  eachdraidh 
air  gach  neach  a  shaothraich  anns  an  t-soisgeul 
am  Braghaid  Albann  o  linn  Chiarain  agus 
Fhaolain  gus  an  la  an  diugh,  agus  a'  chuid  aig 
a  bheil  iiigh  ann  am  beatha  nam  peacach 
gheibh  iad  ann  eachdraidh  air  Caimbeulaich 
agus  Griogaraich,  agus  feadhainn  eile  nach 
robh  a  bheag  na  b'  fhearr.  Tha  cunntas  as 
cinntiche  ann  air  Cloinn-an-Aba  na  gheibhear 
an  aite  air  bith  eile,  agus  cunntas  mionaideach 
air  larlachan  Bhraghaid  Albann,  agus  air 
oighreachd  mhor  an  teaghlaich  ainmeil  sin. 

An  uair  a  thig  an  leabhar  so  a  mach  tha 
fiughair  agam  gu'm  faigh  e  aite  anns  a'  cheud 
sreath  am  measff  nan  sffir-eachdraidhean  a 
tha  againn  an  Albainn,  taobh  ri  taobh  ris  an 
leabhar  a  sgriobh  Uilleam  Mac  Aoidh  mu 
Urchardainn,  agus  leabhraichean  fiachail  de'n 
t-seorsa  sin.  Mar  sin  tha  e  'n  am  bheachd 
iomradh  ceart  a  dheanamh  air  an  uair  a  thig 
e  a  mach,  mur  faigh  mi  duin-eigin  eile  d'an 
aithne  sin  a  dheanamh  na's  fhearr  na's  aithne 
dhomh  fein. 


6 


AIG  AN  UINNEIG— LAOIDH 


Ach  m'  an  criochnaich  mi  mo  sheanchas  an 
drasd  bu  mhaith  leam  iomradh  a  dheanamh  air 
an  duilleig  so  air  comanachadh  anns  a'  Cheann- 
mhor  a  rinn  driiidheadh  anabarrach  air  Easbuig 
de'n  eaglais  Shasunnaich  a  bha  lathair.  Bha 
an  t-seirbhis  a  mach  air  a'  bhlar. 

"  Bha  na  biiird  agus  na  suidheachain,"  ars' 
an  t-Easbuig,  "  a  mach  air  a'  bhlar  ;  an  uair 
a  dh'  eireadh  aon  bhuidheann  de'n  luchd- 
comanachaidh  o  na  biiird  shuidheadh  buidh- 
eann  eile  aca,  agus  bu  sholuimte  a  bhi 
cluinntinn  fonn  nan  salm  agus  torman  an 
locha  agus  na  h-aibhne  comhla,  mar  aon 
choisridh.  Ghlac  moran  dhaoine  cupan  na 
slainte  ;  bha  sith  agus  riaghailt  agus  soluim- 
teachd  'n  an  aodann  agus  'n  an  giiilan  ;  an 
uair  a  chluinninn  na  h-uiseagan  a'  seinn  os 
cionn  a'  choimhthionail  ud,  agus  a  sheallainn 
air  guirme  ghlan  na  speur  os  cionn  Beinn 
Labhair,  bha  mi  a'  faireachduinn  gu  robh 
ainglean  neimh  agus  spioradan  nam  firean  a' 
dearcadh  air  a'  chomhlan  bheannaichte  ud." 

Bha  companach  comhla  ris  an  Easbuig  ; 
an  uair  a  dh'  fheoraich  e  d'a  chompanach  ciod 
a  bha  esan  a'  saoilsinn,  is  e  a  thubhairt  e, 
"  Bha  mi  ann  an  iomadh  cearn  de'n  t-saoghal  ; 
bha  mi  anns  na  h-eaglaisean  as  maisiche  anns 
an  Eadailt  ;  chunnaic  mi  an  aifrionn  air  a 
tairgsinn  le  maithean  na  h-eaglais  Phapanaich 
ann  an  ionadan  ainmeil  agus  naomh,  ach 
chan  fhaca  n:ii  I'iamh  sealladh  cho  soluimte  no 
cho  driiidhteach  's  a  chunnaic  sinn  an  diugh." 
Anns  a'  Cheann-mhor  an  1815  bha  919  de 
luchd-comanachaidh  ;  an  1820  bha  813  ann  ; 
an  1825  bha  686  ann  ;  an  1830  bha  648  ann  ; 
an  1835  bha  412  ann  ;   an  1842  bha  323  ann. 

An  diugh  chan  'eil  ann  ach  136.     Sin  mar 
tha  an  diithaich  a'  dol  fas,  le  cion  thighean,  le 
bochdainn  nan  uachdaran,  agus  le  mi-sgoinn 
luchd-riaghlaidh  agus  a'  phobuill. 
Mo  thruaighe  'n  fir  's  an  cinn  na  daoine  gann 
Ged  's  viaith  an  t-br,  is  suarrach  or  seach  clann. 


Baintighearn  Ormadail 

Bha  an  aireamh  mu  dheireadh  an  clodh 
m'  an  cuala  mi  mu  bhas  na  Baintighearn 
uasail  so,  ach  cha  bu  mhaith  leam  gun  iomradh 
agus  caoidh  a  bhi  air  a  dheanamh  anns  na  duill- 
eagan  so  air  boirionnach  maith  aig  an  robh 
tiigh  mhor  anns  an  da  ni  shonruichte  as  mathair- 
aobhair  do  na  duilleagan  so  idir,  obair  na 
h-eaglais  agus  maith  na  Gaidhlig.  Bha  gaol 
aig  Baintighearn  Ormadail  air  a'  Ghaidhlig 
agus  air  na  daoine  a  tha  'g  a  bruidhinn,  ach 
bha  gaol  aice  cuideachad  air  cleachdaidhean 
na  diadhaidheachd  agus  air  an  eaglais  a  tha 
feuchainn  ri  'n  cumail  suas. 

Bha  i  eireachdail  'n  a  pearsa,  ach  bha  i  a 
cheart  cho  eireachdail  'n  a  doighean,  agus  cho 
uasal  'n  a  h-inntinn.  An  toiseach-toiseach- 
aidh  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich  bha  triiiir 
bhoirionnach  a  chitheadh  tu  daonnan  aig  a' 
Mhod  nach  robh  triiiir  eile  an  Albainn  a  b' 
eireachdaile  agus  a  b'  uaisle  air  gach  doigh  ; 
'n  an  coslas,  'n  an  gluasad,  agus  'n  an  nadur  ; 
Ella  Nic  -  Gille  -  Mhicheil,  Eilidh  Stiubhard- 
Murragh,  agus  Mrs  Burnley  Caimbeul.  Chan 
'eil  gin  dhiubh  air  mhaireann  an  diugh,  ach 
lean  iad  uile  air  obair  a'  Chomuinn  a  chuideach- 
adh  cho  fad  's  a  bha  iad  beo.  Bha  eadar-dheal- 
achadh  eatoi'ra  a  thaobh  am  buadhan  inntinn 
agus  a  thaobh  an  eolais  air  a'  Ghaidhlig,  oir 
bha  Ella  Nic-Gille-Mhicheil  fad  air  thoiseach 
air  each  anns  a'  chuid  sin,  ach  a  thaobh  eud, 
is  ionracais,  is  banalais,  is  uaisle  iriosal,  bha  iad 
coltach  ri  cheile,  peathraichean  gu  nadurra, 
agus  ann  an  sreath  leo  fein. 

Is  gasda  daoine  fhaicinn  aig  a'  Mhod  air 
nach  'eil  dad  a  dhith  ;  c6  riamh  a  chunnaic 
Baintighearn  Ormadail  a'  gluasad  gu  statail 
am  measg  na  cuideachd  gun  fhaireach- 
duinn  nach  robh  othail  no  bualadh-bhas  a  dhith 
oirre,  no  duals,  no  taing,  no  buannachd  shaogh- 
alta  ? 


Laoidh 


O's  e  bhi  dliith  ri  fear  mo  ghraidh 
'  Miann  mo  chridhe  dh'  oidhche  is  la, 
Ged  tha  mi  truagh  an  iomadh  cas, 
Tha  sasuchadh  'na  ghealladh-san. 

Is  ann  an  Criosda  tha  mo  shlainte, 
Is  e  a  cheannaich  mi  le  bhas, 
Tha  a  nis  m'  fhiachan  paidht' 
'S  mi  saor  o'n  bhas  is  mallachadh. 

Cha  dean  airgiod  agus  or 

Peacach  truagh  a  thoirt  beo  ; 

O,  seall  suas  ri  Righ  na  gloir 

Air  Crann-broin  'g  ad  cheannach  dha. 

Ma  gheibh  thu  sealladh  air  a  ghradh, 
Le  fhuil  a'  sruthadh  sios  gu  lar, 


Cuir  do  dhochas  ann  gu  brath 

Ar  Slanuighear  caomhail  beannaichte. 

O,  cluinn  a  ghlaodh  is  e  ri  stri 

Air  son  pheacach  anns  gach  tir, 

"  Mo  Dhia,  mo  Dhia,  c'uim  threig  thu  mi," 

'S  a  chridhe  sgith  gu  fannachadh. 

'S  e  losa  gaisgeach  a  thug  buaidh 
Air  peacadh,  agus  bas,  is  uaigh  ; 
Tha  saorsa  ghlormhor  aig  a  shluagh 
Tha  sealltuinn  suas  le  creideamh  ris. 

Na  'm  biodh  ar  cridhe  teth  le  gradh 
Do'n  char  aid  tha  ri  'r  taobh  gach  la  ; 
Cia  mar  nach  tuiteadh  sinn  'na  lathair 
Aig  cathair-grais  'ga  aideachadh. 

Niall  Mac  Dhbmhnuill,  Uidhist-a-Tuath. 


EOLAS  AGUS  GRADH 


E6las  agus  Gradh 

Le  Murchadh  Mac  Rath,  an  Glaschu 


CHA  robh  na  seann  diadhairean  a'  cur 
moran  suim  ann  an  Eolas,  no  mar  their 
sinn  anns  a'  Bheurla,  Science.  Bha  an  Scientist 
a'  cur  teagaimh  ann  am  moran  a  bha  anns 
a'  BhiobuU ;  dh'  fheumadh  a  h-uile  puing 
a  bhi  air  a  dhearbhadh  mus  creideadh  esan 
ann.  Tha  luchd  -  rannsachaidh  agus  luchd- 
mineachaidh  a'  Bhiobuill  agus  na  Scientists  air 
a  thighinn  na's  fhaisge  gu  cheile  ;  tha  an  dara 
fear  a'  feuchainn  ris  a'  chruthachadh  agus 
diomhaireachd  a'  Chruinne-ce  fhaicinn  troimh 
shuilean  an  fhir  eile.  Is  e  ni  feumail  a  tha 
ann  an  eolas  ;  tha  e  a'  cuideachadh  leinn  gu 
mor  anns  an  t-saoghal,  a'  toirt  dhuinn  am 
biadh  a  dh'  itheas  sinn,  an  t-aodach  a  chomh- 
daicheas  sinn,  agus  gach  goireas  eile  air  an 
cuir  mac  an  duine  feum. 

A  nis  tha  an  t-eolas  air  am  bheil  an  t-Abstol 
Pol  a'  labhairt  anns  an  litir  a  sgriobhe  chum 
nan  Corintianach  ag  at  suas  buadhan  agus 
aignidhean  an  duine,  a  chionn  agus  nach  'eil 
e  air  a  steidheachadh  air  a'  bhunait  cheart, 
air  eagal  an  Tighearna.  Tha  rioghachdan 
a  tha  a'  cur  an  dochais,  agus  a'  togail  an  siobh- 
altais  air  eolas  gun  an  gliocas  bho  shuas, 
an  cunnart  tuiteam  gu  lar.  Theid  iad  as  an  t- 
sealladh  mar  chaidh  bailtean  mora  na  Roimhe, 
agus  na  Greige. 

Is  ann  truagh,  bochd,  a  bhitheamaid  as 
aonais  eolais,  bhitheamaid  mar  na  fiadh- 
bheathaichean,  agus  ainmhidhean  na  mach- 
rach.  Mar  a  fhuair  an  duine  eolas  bha  e  a' 
deanamh  adhartais  bho  bhi  fuireach  ann  an 
uamh,  air  a  chomhdachadh  le  craicionn  nam 
fiadh-bheathaichean  a  mharbh  e  leis  an  t- 
saighead.  Tha  an  t-eolas  so  gu  math,  agus 
a'  dol  am  meud  gach  latha  ;  tha  e  a'  toirt 
dhuinn  cumhachd  uidh  ar  n-uidh  air  eifeachd 
a'  chruinne  ;  tha  na  feartan  iongantach  so 
a  thug  e  do  chloinn  nan  daoine,  a'  leasachadh 
air  cor  air  a  leithid  a  dhoigh  agus  gu'n  labhair 
sinn  an  diugh  ri  ar  mac  ann  an  Astralia.  Eiridh 
sinn  anns  an  aeroplane,  mar  iolair  air  a  sgiathan  ; 
bheir  sinn  duine  a  tha  aig  uchd  bais  ann  am 
Barraidh  gu  Tigh-eiridinn  an  Glaschu  ann  an 
uair  no  dha  a  thide.  Eisdidh  sinn  le  mor 
aire  ri  beul-aithris,  oran,  cluich,  no  searmoin, 
air  an  Radio,  gun  a  dhol  am  mach  a  taca  an 
teine.  Is  e  sin  eolas  a  tha  chum  ar  teachd-an- 
tir  a  dheanamh  na's  fhiisa,  ach  tha  an  t-eolas 
air  a  chur  gu  droch  fheum  anns  an  linn  anns 
a  bheil  sinn  beo.  Ged  a  tha  sinn  mu  dha 
mhile  bhadhna  fo  bhuaidh  an  t-soisgeil,  tha 
rioghachdan  fhathast  an  amhaichean  a  cheile  ; 
chan  'eil  inneal-sgrios  as  miosa  a  chaidh  a 
dhealbh  an  inntinn  an  duine,  nach  'eil  a'  dol 
an   uidheam   air   son  each   a  cheile   a  sgrios. 


Tha  an  League  of  Nations  air  tuiteam  gu 
grunnd  fairge  na  dichuimhne.  Tha  i  mar 
sgeul  a  dh'  innseadh  neach,  air  a  dimeas, 
agus  air  a  cur  air  chul.  Tha  lapan,  agus 
Sina,  an  Edailt,  agus  an  Spainnt,  a'  cur  an 
taca  ann  an  neart  an  gairdein  ;  tha  iad  a' 
deanamh  uaill  anns  a'  ghunna  mhor,  an  Suh- 
inarine,  an  Aeroplane,  agus  an  gas  as  puinn- 
seanta  air  son  ciuraidh  agus  sgrios  gach  namh- 
aid  a  dh'  eireas  'n  an  aghaidh. 

Cha  dhi-chuimhnichear  sgread  nam  peil- 
eirean,  na  laoich  air  an  leon,  agus  air  an 
ciiiradh,  gun  lamh,  gun  chas,  dall,  bodhar,  a' 
lionadh  gach  Tigh-eiridinn  anns  an  rioghachd, 
anns  a'  Chogadh  Mhor  fichead  bliadhna  air 
ais,  agus  a  reir  cuisean  chan  'eil  an  gnothuch 
criochnaichte  fhathast.  Tha  na  tighean-fas- 
gaidh  ann  an  Glaschu  agus  ann  am  bailtean 
mora  eile,  Ian  de  "  Ghas  respirators,"  a  fhrea- 
gras  do  sheann  duine  nan  tri  fichead  agus 
naoidhean  nan  sia  mios. 

Is  e  so  an  t-eolas  a  tha  ag  at  suas  an  duine. 

Tha  foghlum  eadar-dhealaichte  bho  eolas  ; 
tha  e  a'  tighinn  bho  'n  taobh-a-stigh,  bho  'n 
chridhe,  bho  aignidhean,  agus  faireachduin, 
ach  tha  an  t-eolas  a'  tighinn  bho  'n  taobh-a- 
muigh,  mar  fhalluinn  a  tha  thu  a'  cur  umad. 
Tha  am  foghlum  so  a'  tighinn  bho  ghradh 
Dhe,  a'  deanamh  ath-bhreith  anns  an  anam, 
mar  ghrainne  sgeallain  a'  fas  suas  agus  a' 
toirt  a  mach  toraidh  ;  tha  e  mar  an  neonean, 
a'  fosgladh  a  dhuilleagan  beaga  maoth  gu 
socair  seimh  ri  solus  na  greine.  Tha  am  fogh- 
lum so  a'  dol  air  adhart  fad  ar  beatha  anns  an 
t-saoghal  so,  agus  anns  an  t-siorruidheachd. 

'Nuair  a  thuirt  losa,  "  Gradhaich  do  namh- 
aid,"  chuir  e  lagh  nan  ludhach  bun  os  cionn  ; 
cha  robh  iad  a'  tuigsinn  brigh  an  fhacail. 
Nach  e  an  gradh  a  tha  deanamh  an  eadar- 
dhealachaidh  eadar  Soisgeul  Chriosd  agus 
gach  creud  eile  air  aghaidh  an  t-  saoghail  ! 
Fosglaidh  e  an  cridhe  cruaidh,  reoite  ;  cuiridh 
e  blaths  is  suit  an  anam  an  duine.  Tha  spiorad 
nan  gras  agus  na  cai'thannais  a'  tighinn  bho  'n 
ghradh.  Is  e  so  am  foghlum  a  fhuair  Lidia 
'nuair  a  dh'  fhosgail  an  Tighearn  a  cridhe 
ionnas  "  gu'n  d'  thug  i  aire  do  na  nithibh 
a  labhradh  le  Pol."  Dh  fhoillsich  i  creideamh 
le  bhi  toirt  aoigheachd  do  theachdairean 
Chriosd.  Tha  an  gradh  a  bheir  foghlum  mar 
dheo-greine  troimh  uinneag  a'  chi-idhe  a' 
rannsachadh  a  mach  gach  droch  smuain  agus 
cnap-starra  a  tha  cumail  an  doruis  diiinte, 
a'  bacadh  Chriosd  bho  thighinn  a  steach  d'  ar 
beatha  chum  gu'm  bi  e  maille  ruinn  agus 
gu'n  gabh  e  comhnaidh  annainn. 

Is  e  so  an  gradh  a  dh'  fhosgail  cridhe  Bean 


8 


CIRSTIDH  BHEAG— "LONG  AN  T-SOISGEIL  " 


Shamaria  'nuair  a  thuit  na  lannan  bho  a 
suilean,  agus  a  dh'  aithnich  i  an  Slanuighear 
aig  an  tobar  "  Na'm  b'  aithne  dhuit  tiodhlac 
Dhe  agus  c6  e  a  tha  ag  radh  riut,  thoii'  dhomh 


deoch,  dh'  iarradh  tu  airsan,  agus  bheireadH 
e  uisge  beo  dhuit."  Is  e  foghlum  da  rireadh 
an  t-uisge  so,  a  bhitheas  'na  thobar  uisge,  a' 
sruthadh  suas  chum  na  beatha  maireannaich. 


Cirstidh  Bheag 

Leis  an  Ubhamacii  Donnchadh  Mac-a-Pheahsoin 


Sgann  gum  beil  seachdain  nach  fhaic  sinn 
's  an  Oban  Times  moladh-mairbh  air  cuid- 
eigin  a  Uidhist-a-Chinn-a-Tuath  is  iomadh  ait 
'eile  's  a'  Ghaidhealtachd,  a'  deanamh  iomradh 
air  cliii  na  cuid  a  theirig,  agus  air  bron  chaird- 
ean  is  luchd-eolais  aig  a'  bhaile  agus  an  tirean 
cein  air  an  son.  Chan  fhaca  mi  fhathast  ni 
mu  thimchioll  Cirstidh  Bheag  ;  ach  mur 
robh  iomradh  oirre  an  tirean  cein,  bithidh 
cuimhne  oirre  am  Peaball  iomadh  bUadhna, 
chan  ann  a  mhain  an  coimhthional  Eaglais  na 
h-Alba  d'am  buineadh  i,  ach  anns  gach  coimh- 
thional eile  's  an  sgire  ;   oir 

Cuimhn'  is  iomradh  maith  a  chaoidh 
Bithidh  air  an  fhirean  choir. 

Agus  bha  i  "  coir,"  's  e  sin,  fialaidh  do  aobhar 
an  Tighearna.  Ged  bha  i  bochd  'na  crann- 
chur,  gun  ni  ach  pension  nan  Dall  fad  iomadh 
bliadhna,  cha  robh  i  a  bheag  air  dheireadh 
air  aon  's  a  choimhthional  air  son  cumail  suas 
na  ministirealachd.  Bha  an  conahnuidh  a 
cuid,  's  a  cridhe,  's  a  comhradh  airson  na 
h-eaglais.  Cha  robh  ni  airson  an  robh  cuideach- 
adh    air    a    thagradh    bho     'n    chiibaid    nach 


tugadh  Cirstidh  beagan  seachad.  Bha  i  fos- 
garra  'na  nadur,  riaraichte  le  a  cranchur,  agus 
ciiramach  m'a  cainnt  's  m'a  cuideachd.  Fliuch 
no  tioram,  air  an  t-Sabaid  no  aig  a'  Choinnimh- 
iirnuigh,  cha  robh  i  air  dheireadh.  Neach 
sam  bith  a  rachadh  'g  a  h-amhax'c  a  b'  urrainn 
leughadh  no  seinn,  cho  luath  's  a  dh'  fhosgladh 
dorus  a  bothain  ri  taobh  an  loch,  bhiodh  an 
Tiomnadh  Nuadh  no  Laoidhean  Phadruig 
Ghrannd  air  a  chur  'na  laimh.  Bha  e  'na 
thaitneas  mor  dhi,  gille  no  nighean  og  am 
measg  choimhearsnach  is  dhilsean  a  bhi 
leughadh  dhi.  Ged  b'e  a  roghainn  bhi  fan- 
tuinn  leatha  fhein,  cha  robh  i  gun  chairdean 
dliith  dhi  a  bha  cuimhneachail  oirre,  agus 
anns  an  robh  mor  earbs'  aice.  Bha  i  onarach 
'na  caithe-beatha  :  cha  robh  i  am  fiachan  do  na 
marsantan.  'N  uair  thainig  galair  a  bais, 
thugadh  i  do  thigh  a  brathar,  far  an  do  chaoch- 
ail  i.  Faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach,  'nuair 
nach  b'  m-rainn  Cirstidh  meadhonan  nan  gras 
a  fhrithealadh  ni  b'  fhaide,  gun  d'  fhas  i  sgith 
de'n  t-saoghal,  agus  leatha-se  gu'm  b'e  bhi 
maille  ri  Criosd  bu  ro  f hearr. 


"Long  an  t-Soisgeil" 

Le  D.  I.  Mac  Dhuth-Sith,  Sollas,  an  Uidhist-a-Tuath. 


THA  Long  an  t-Soisgeil  air  a'  chuan, 
'S  i  togail  suas  a  siiiil  ; 
I  'seoladh  chum  na  dachaidh  bhuan 
'S  tha  'n  t-Athair  air  an  stiiiir. 

Is  trie  bhios  seoladh  comhnard  grinn, 
'S  gach  ni  a'  dol  le  miiirn, 
Gach  neach  air  bord  a'  seinn  gu  binn, 
'S  an  t-Athair  air  an  stiiiir. 

Bidh  gach  ni  gu  deas  air  bord, 
'S  i  ruith  gu  reidh  a  ciirs' 
'S  na  lamhan  dileas  mar  is  coir, 
'S  an  t-Athair  air  an  stiiiir. 

'S  an  uair  a  sheideas  suas  an  stoirm, 

Is  beucaich  cuain  as  iir, 

Bidh  'chilis  a'  sealltaimi  teagmhach  doirbh 

'S  an  t-Athair  air  an  stiiiir. 


Tha  aon  air  bord  le  gean  gun  ghruaim, 
Is  fiamh  a  ghair'  'na  ghniiis  ; 
Cha  chuir  an  stoirm  le  meud  a  cruais 
Ni  ghealtachd  air  a  shuil. 

Is  feoraichear  de'n  Chriosduidh  6g, 
De  's  aobhar  dha  bhi  ciixin, 
Is  freagraidh  e  gu  geanail  coir 
Tha  m'  Athair  air  an  stiiiir. 

"  Ged  thigeadh  teinn  is  cunnart  bais, 
Is  buairidhean  dorcha  as  iir, 
Thig  furtachd  fhior  'o  n  Ti  as  aird' 
'S  e  fein  tha  air  an  stiuir." 

"  Chan  fhag  e  aon  an  eiginn  chruaidh 
A  thig  a  reir  a  riiin, 
Theid  fuadach  air  gach  eagal  truagh," 
Tha  m'  Athair  air  an  stiiiir. 


Aireamh  6 


938 


An  Deuchainn  Chruaidh 


Gabh  a  nis  do  mhac,  t'  aon  mhac  Isaac  as  ionmliuinn  leaf,  agus  thoir  suas  e  mar  thahhartas-loisgte. 

Genesis  xxii.  2, 


BU  shearbh  an  deuchainn  a  bha  air  a  chur  air 
Abraham  an  uair  a  dh'  iarradh  air  dol  do  thir 
Mhoriah  agus  a  mhac  ionmhuinn  a  thoirt  suas 
mar  thabhartas-loisgte.  Aig  amannan  eile  d'a 
bheatha  dhearbh  e  am  fianuis  Dhe  agus 
dhaoine  gu'm  bu  duine  e  a  bha  umhail  do 
thoil  Dhe,  ach  an  la  ud  air  shabh  Mhoriah 
chuir  e  a'  chlach-mhullaich  air  a  dhiadhaidh- 
eachd,  oir  rainig  e  airde  creidinah  nach  do 
rainiff  moran  de  chloinn  nan  daoine  roimhe 
no  'na  dheidh.  Chan  'eil  e  iongantach,  mata, 
gu'n  d'  fhuair  e  anns  an  eaglais  ludhaich  an 
t-ainm,  caraid  DM,  agus  anns  an  eaglais 
Chriosduidh,  an  t-ainm,  athair  nan  creidmheach. 

Tha  an  naidheachd  so  a'  togail  iomadh  ceist 
dhuiUch  is  dhiomhair,  ach  chan  'eil  mi  a'  dol 
a  steach  anns  na  ceistean  sin  an  trath-sa.  Tha 
mi  a'  tighinn  thairis  oirre  a  chionn  gu  bheil 
buannachd  ann  do  dhaoine,  an  uair  a  tha  iad 
fo  thrioblaid,  smuaineachadh  air  daoine  eile 
a  dh'  fhuihng  mar  a  tha  iad  fein  a'  fulang, 
ach  nach  do  chaill  an  creideamh,  no  am  mis- 
neach,  no  an  dochas.  B'  ann  diubh  sin 
Abraham  ;  bha  a  chridhe-san  air  a  leon  gu 
goirt,  ach  a  dh'  aindeoin  searbhadas  an  fhios- 
rachaidh  a  thainig  air,  cha  do  chaill  e  earbsa 
ann  an  Dia,  agus  cha  mho  a  rinn  e  gearan. 
Ged  bha  Dia  'ga  threorachadh  air  slighe  nach 
b'  aithne  dha,  agus  ged  bha  deacaireachd 
'na  fhreasdal  nach  b'  urrainn  dha  a  thuigsinn, 
cha  do  ghabh  Abraham  air  fein  casaid  a 
dheanamh  'na  aghaidh  ;  bha  f  hios  aige  c6 
ann  a  chreid  e  agus  bha  dearbhachd  aige, 
eadhon  anns  an  dorchadas,  "  gu  robh  Dia 
ceart  'na  uile  shhghean  agus  naomh  'na  uile 
ghniomharan. "  Agus  do  bhrigh  gu  robh 
an  creideamh  sin  aige  dh'  oibrich  an  amhghar 
a  thainig  air  trom-chudthrom  gloire  dha  a  bha 
sior-mhaireannach. 

Tha  e  duilich  dhuinne  sinn  fein  a  chur  ann  an 
aite  Abrahaim,  no  an  deuchainn  a  chuireadh 
air  a  thuigsinn  gu  ceart,  ach  co  dhiu  tha  e 
soilleir  gu'n  do  nochd  e  creideamh  is  iimhlachd 
do  Dhia  a  tha  cho  fada  os  cionn  ar  creidimh-ne 
's  a  tha  na  speuran  os  cionn  na  talmhainn  ; 
creideamh  a  dhiiisgeas  amharus  'n  ar  cridhe 
nach  fhiach  ar  creideamh  fein  creideamh  a 
radh  ris. 

Tha  sinne  toilichte  gu  leoir  ma  theid  againn 
air  ar  n-inntinn  a  chumail  beo  is  sunndach 
fo  na  doilgheasan  beaga  a  tha  coitchionn  do  'n 


chinneadh-daonna  ;  no  ma  tha  tomhas  de 
fhaidhidinn  againn  fo  challdachd  nach  b' 
urrainn  dhuinn  a  sheachnadh.  Ach  dh'  iarradh 
tuilleadh  is  faidhidinn  air  Abraham  ;  dh' 
iarradh  air  an  claidheamh  a  shathadh  'na 
chridhe  le  a  laimh  fein  ;  aoibhneas  is  solus  a 
bheatha  a  mhiichadh  'na  dheoin.  Dh'  iarradh 
air  ceum  a  ghabhail  a  dh'  f  haodadh  e  a  sheach- 
nadh na'n  toilicheadh  e  ;  ceum  a  bha  dol 
calg-dhireach  an  aghaidh  nan  geallaidhean  a 
thug  Dia  cheana  dha.  Cho  fad  's  a  bu  leir 
dha,  bha  an  gealladh  mor  a  thug  Dia  dha, 
gu'm  beannaicheadh  e  uile  chinnich  na  tal- 
mhainn 'na  shliochd-san,  an  crochadh  ri 
beatha  a  mhic,  agus  a  nis  bha  e  air  iarraidh 
air  a  mhac  a  thoirt  suas  mar  thabhartas- 
loisgte. 

Bha  e  duiUch  dha  an  dochas  so  a  bha  dha 
mar  reul-iiiil  fad  iomadh  latha  a  leigeil  bhuaith, 
an  dochas  a  bha  mar  aran  d'a  anam.  Eadar 
sin  agus  an  gaol  a  bha  aige  air  a  mhac  bu 
deistinneach  cor  an  duine  bheannaichte  ; 
ach  eadhon  ann  an  uisgeachan  domhain  dh' 
earb  e  ann  an  Dia,  agus  lean  e  facal  an  Tigh- 
earna,  ged  bha  solus  a  reasoin  fein  is  fair- 
eachduinnean  a  chridhe  a'  dol  'na  aghaidh. 

B'  uamhasach  an  deuchainn  e  air  nadur- 
daonna,  ach  is  ann  an  uair  a  theid  e  air  uilinn 
a  nochdas  nadur  mhic  an  duine  gu  bheil 
uaisle  agus  gaisgealachd  ann  air  nach  urr- 
ainnear  cainnt  a  chur.  Ann  an  laithean  a' 
chogaidh  an  uair  a  bha  oigridh  na  diithcha 
air  an  cur  gus  am  fulangas  ann  an  digean- 
cogaidh  na  Frainge,  cha  robh  seachduin 
a'  dol  seachad  anns  nach  leughamaid  mu 
euchdan  agus  mu  ghniomharan  uasal  a  bha 
air  an  deanamh  le  balaich  chumanta  nach 
cualas  riamh  iomradh  orra  aig  an  tigh  ;  balaich 
nach  saoileadh  tu  gu  robh  a  leithid  de  stuth 
annta.  Mar  is  tinne  a  bhios  nadur  mhic  an 
duine  air  a  dhearbhadh  le  deuchainnean 
cruaidh  is  ann  as  soilleire  a  chi  thu  gu  bheil 
uaisle  agus  misneach  agus  comas-fulangais 
ann  a  tha  gun  cheann  gun  chrioch.  Bha  sin 
f  ior  a  thaobh  Abrahaim  ;  cheus  e  gach  ni  a 
bha  seasamh  eadar  e  agus  toil  Dhe,  is  chaidh 
e  a  mach  gu  shabh  Mhoriah,  ag  radh,  "  Dean- 
adh  an  Tighearn  an  ni  a  tha  iomchuidh  'na 
shiiilean." 

Ann  an  seagh  f  ior  tha  gniomharan  uasal  neo- 
bhasmhor.     Co  dhiu  a  tha  iad  a  chum  feuma 


2 


AN  DEUCHAINN  CHRUAIDH— ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE 


aig  an  am  no  nach  'eil,  tha  gach  euchd  uasal 
is  maiseach  a  rinneadh  riamh  a  chum  maith  an 
t-saoghail  air  a'  cheann  mu  dheireadh  ;  tha 
siol  annta  a  chinneas  agus  a  bheir  a  mach 
toradh,  aile-beatha  a  sgaoileas  slainte  is  fallain- 
eachd  am  measg  nan  uile  dhaoine  a  chluinneas 
iomradh  orra,  no  a  bheir  an  aire  dhaibh.  Gach 
uair  a  chi  sinn  duine  eile  'ga  ghiulan  fein  gu 
h-uasal  agus  gu  gaisgeil  ann  an  stri  na  beatha, 
no  ann  an  uair  a'  bhais,  tha  sin  a'  toirt  neart  is 
misneach  iir  dhuinn  fein,  agus  a'  deanamh  na 
slighe  na  's  reidhe  romhainn. 

Tha  beatha  dhaoine-mor  'g  ar  teagasg 
Gu'm  faod  sinn  uile  stri  ri  euchd, 
Is  air  dhuinne  siubhal  dhachaidh, 
Ceuma  fhagail  as  ar  deidh. 

Ceuma,  theagamh,  chi  neach  eile 
Air  a  thurus  troirah  an  t-saogh'I, 
Bi"athair  bochd  tha  call  a  mhisnich, 
'S  gu'm  faigh  e  spiorad  iir  d'  an  taobh. 

Bu  duine-mor  da-rireadh  Abraham,  agus 
bu  mhaith  dhuinn  uile  meomhrachadh  an 
drasd  's  a  ris  air  eachdraidh  a  bheatha  agus  mar 
a  ghiiilain  e  e  fein  ann  an  la  a  thrioblaid,  an 
dochas  gu  'm  bi  coinneal  ar  creidimh  fein  air  a 
lasadh  aig  a  choinnil-san.  Ged  tha  e  marbh 
tha  e  fathast  a'  labhairt,  agus  is  e  an  teachdair- 
eachd  shonruichte  a  tha  e  a'  labhairt  ruinn, 
gur  e  creideamh  a  mhain  a  bheir  dhuinn  a' 
bhuaidh  air  an  t-saoghal  agus  air  amhgharan 
ar  beatha,  agus  gur  e  so  creideamh, — earbsa 
laidir  a  bhi  againn  ann  an  riiintean  glic  an 
Tighearna  d'  ar  taobh  a  dh'  aindeoin  an  dor- 
chadais  a  dh'  fhaodas  a  bhi  ag  iadhadh  umainn, 
agus  a  dh'  aindeoin  gach  calldachd  a  thig 
oirnn  'na  f hreasdal. 

Am  measg  nan  nithean  a  tha  caochlaideach 
tha  aon  ni  seasmhach  agus  gun  atharrachadh, 
gradh  Dhe  d'a  chloinn.  Faodaidh  sinn  a 
bhi  cinnteach  as  a  sin  daonnan  ;  chan  e  olc 
ach  maith  a  tha  'na  smuaintean  uile  d'  ar 
taobh.  Agus  do  bhrigh  gu  bheil  a  smuain- 
tean-san  umainne  daonnan  maith  agus  daonnan 
seasmhach  cha  bu  choir  dhuinn  leigeil  le  ar 
smuaintean  fein  uime-san  a  bhi  neo-sheasmhach 
no  amharusach.  Ach  nach  trie  a  bhitheas  iad 
mar  sin  !  Nach  trie  a  tha  smuaintean  eadhon 
dhaoine  diadhaidh  mu  Dhia  cho  neo-sheas- 
mhach ris  a'  ghaoith  luaineach  nach  fhan  air 
an  aon  chalpa  ach  goirid  ;  an  diugh  a'  creidsinn 
'na  mhaitheas  is  'na  ghradh,  ach  am  maireach 
a'  tuiteam  anns  an  dubh  as-creideamh  ;  air 
an   luasgadh   a   null    's    a   nail.     Cha   riaraich 


an  seorsa  creidimh  so  Dia,  agus  cha  mho  a 
bheir  e  buaidh  air  an  t-saoghal.  "  Is  cosmhuil 
e  ri  tonn  na  fairge,  a  sheidear  le  gaoith  agus 
a  tha  air  a  luasgadh  a  null  agus  a  nail.  Na 
saoileadh  an  duine  sin  gu  'm  faigh  e  ni  air 
bith  o'n  Tighearna." 

Tha  Dia  airidh  air  ar  n-earbsa  daoniian,  co 
dhiu  a  tha  a  f  hreasdal  searbh  no  caomhail  ; 
tha  e  cho  airidh  air  ar  n-earbsa  an  uair  a  tha 
a  lamh  air  a  leagadh  oirnn  ann  an  smachd- 
achadh  's  a  tha  e  an  uair  a  tha  e  'g  ar  treor- 
achadh  ann  an  cluaintean  boidheach  agus 
laimh  ri  uisgeachan  ciiiin.  B'e  so  fiosrachadh 
lob,  oir  thubhairt  e,  "  Ged  mharbhadh  e  mi, 
earbaidh  mi  as,"  agus  fiosrachadh  Abrahaim 
cuideachd,  oir  thubhairt  e,  "  Nach  dean 
breitheamh  na  talmhainn  uile  an  ni  a  ta 
ceart  ?  "  Fhuair  iadsan  da  rireadh  an  creid- 
eamh a  bheir  buaidh  air  an-  t-saoghal,  agus 
a  dh'  oibricheas  miorbhuilean  ann  am  beatha 
na  feadhnach  aig  a  bheil  e. 

Ann  an  litrichean  a  bha  mi  a'  leughadh  bho 
chionn  ghoirid  dh'  amais  na  briathran  so  orm. 
"  Fhuair  mi  sbhhrach  an  de,  a'  cheud  shobhrach 
a  chunnaic  mi  am  bliadhna.  Shiubhail  mi  taobh 
nan  garaidhean  is  ann  an  aitean  fasgach  an 
diiil  gu'm  faighinn  am  fliir  beag  boidheach  so 
"  air  chill  gaoithe  's  air  aodann  greine." 
Ach  cha  b'  ann  mar  sin  a  bha.  Cha  b'  ann 
taobh  a'  gharaidh  a  fhuair  mi  e,  ach  air  Mte 
lom  gun  fhasgadh  far  an  robh  e  a'  togail  a 
chinn  mar  gu  'm  biodh  e  a'  toirt  diilain  do  na 
siantan." 

Nach  trie  a  chithear  ni-eigin  coltach  ris  a  so 
ann  am  beatha  dhaoine  ;  fliiran  boidheach 
na  beatha  spioradail — creideamh,  is  faidhidinn, 
is  dochas,  is  macantas — a'  cinntinn  ann  an 
cridheachan  na  feadhnach  sin  a  bha  ann  an 
uisgeachan  domhain  gun  sgur,  agus  air  an 
leon  le  iomadh  cradh,  agus  gun  iad  idir  a' 
cinntinn  ann  an  cridheachan  nan  daoine  nach 
d'  fhiosraich  bron,  no  trioblaid,  no  camadh 
'nan  crannchur.  "  Chaidh  sinn  troimh  theine 
agus  troimh  uisge,"  ars'  an  Salmadair,  "  ach 
thug  thu  mach  sinn  gu  h-ionad  saoibhir." 
Theagamh  nach  leir  dhuinne  ciod  a  tha  Dia 
a'  ciallachadh  an  uair  a  bhios  e  'g  ar  cur  troimh 
theine  is  uisge,  ach  chi  esan  a'  chrioch  o'n 
toiseach,  agus  is  leir  dha  an  t-ionad  saoibhir 
air  an  aill  leis  gu'n  ruigeamaid. 

B'  fhearr  do  dhuine  mile  mile  uair  an  neach 
as  priseile  dha  air  thalamh  a.  chall  seach  a 
chreideamh  agus  a  dhochas  ann  an  Dia. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  uair  a  bha  Eachann  Mac-an-toisich  agus 
xxlseabal  Friseal  posda  deich  bliadhna  dh' 
fhkg  iad  an  tigh  beag  anns  an  robh  iad  a' 
fuireach  le  aon  searbhanta,  is  ghabh  iad  air 


mhal  tigh-mor  anns  an  robh  coig  searbhantan 
aca.  Ach  ged  bha  iad  a'  tighinn  air  an  aghaidh 
anns  an  t-saoghal,  cha  robh  iad  a'  tighinn  air 
an  aghaidh  ann  an  gras  no  ann  an  sonas. 


ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE 


3 


Sin  an  t-aobhar  gu'n  d'  thubhairt  Iseabal,  an 
uair  a  dh'  fharraid  Eachann  dhi  an  robh  ainm 
sonruichte  aice  a  bu  mhaith  leatha  a  thoirt  air 
an  tigh  ur,  "  Nach  fhaod  sinn,"  ars'  ise,  "Cabul 
a  thoirt  mar  ainm  air." 

"  Cabul,"  ars'  esan,  "  ciod  air  an  t-saoghal  a 
chuir  Cabul  'n  ad  cheann  ?  "  Cha  robh  duine 
d'  ar  daoine-ne  ann  an  Cabul  riamh,  ma's  e  am 
baile  a  tha  thall  anns  na  h-Innsibh  an  Ear, 
no  ann  an  Astralia,  no  ann  an  aite-eigin  mar 
sin,  a  tha  thu  a'  ciallachadh. 

Thugadh  "  Cabul  "  mar  ainm  air  an  tigh, 
ged  nach  d'  innis  Iseabal  dha  nach  do  rinn 
am  facal  ach  tighinn  'n  a  cuimhne  a  cheart 
mhionaid  a  dh'  fharraid  e  dhi  an  robh  ainm 
aice  do'n  tigh  iir,  an  tigh-mor  nach  bu  toigh 
leatha  a  mach  no  a  stigh,  agus  m'  an  robh 
amharus  agus  eagal  'n  a  cridhe  gu'n  cuireadh 
e  na  b'  fhaide  air  falbh  iad  o  Dhia  agus  o 
shonas  na  bha  iad  cheana.  Chuimhnich  i  air 
na  bailtean  a  thug  Solamh  do  Hiram,  righ 
Thiruis,  ach  'nuair  a  chaidh  Hiram  a  dh' 
fhaicinn  nam  bailtean  cha  do  thaitinn  iad  ris  ; 
agiis  thugadh  fearann  Chabuil  orra  mar  ainm 
gus  an  la  an  diugh.  Sin  mar  thugadh  an  t-ainm 
air  tigh-mor  Eachainn. 

*         *         *         *         *         * 

Bha  athair  Eachainn  'n  a  mharsanta  anns 
a'  bhaile  anns  an  robh  athair  Isabeil  'na 
mhinistear.  A  thuilleadh  air  a  bhiith,  bha 
am  Post  Office  aige,  agus  garage,  is  bha  e  a' 
reic  guail,  agus  guano,  agus  uiread  sheorsachan 
bathair,  's  nach  d'  fhuair  e  riamh  ainm  fein, 
no  ainm  eile  ach  Woolworth.  Cha  mho  a 
fhuair  a  mhac  ainm  eile  anns  an  sgoil  ach 
Eachann  Woollie.  Ach  bu  choma  le  athair  no 
le  Eachann  ciod  an  t-ainm  a  bheireadh  daoine 
dhaibh,  cho  fad  's  nach  rachadh  iad  seachad 
air  a'  bhtith  aca. 

Cha  b'  ann  ann  an  tigh  a  h-athar  a  bha 
Iseabal  air  a  togail,  ach  comhla  ri  piuthar-a- 
mathar,  seana  bhoirionnach  aig  nach  robh 
teaghlach  dhi  fein  ach  a  bha  anabarrach 
beartach.  Bha  an  duine  aice  'n  a  bhancair,  is 
dh'  fhag  e  a  bhantrach  gu  maith  air  a  doigh  an 
uair  a  shiubhail  e.  Thug  am  ministear  Iseabal 
da  phiuthair  'n  a  caileig  oig,  gu  bhi  'n  a  ban- 
chompanach  dhi,  agus  Ian  dhiiil  aige  gu'm 
fagadh  a  phiuthar  na  bha  aice  de'n  t-saoghal 
aige  fein  agus  aig  a  theaghlach. 

Cha  d'  fhuair  e  briseadh-diiile  ;  an  uair  a 
shiubhail  bean  a'  bhancair  thainig  Iseabal 
dhachaidh  do  thigh  a  h-athar,  agus  m'  an 
robh  i  bliadhna  aig  an  tigh  bha  i  posda  aig 
Eachann  Woollie,  a  bha  air  aite  athar  a  ghabh- 
ail.  Gu  la  a  bais  cha  b'  urrainn  i  innseadh 
car  son  a  phos  i  Eachann,  mur  b'  e  an  t-aobhar, 
gur  e  a'  cheud  fhear  a  thainig  riamh  'na  rathad, 
agus  gu  robh  Mairi  a  piuthar  an  aghaidh  e 
bhi  a'  tadhall  oirre  idir.  Co  dhiu  phos  i  e, 
ach  cha  chual  i  aon  fhacal  de  na  thubhairt  am 


ministear  aig  seirbhis-a-phosaidh  ;  bha  i  fad 
na  h-iiine  a'  smuaineachadh  gu'm  b'  fhearr 
leatha  nach  robh  i  'g  a  posadh  idir  ;  ghabh  i 
aithreachas  ach  bha  e  ro  anmoch  tarruing  air 
a  h-ais. 

Ach  ged  nach  robh  gaol  aice  air  Eachann 
Woollie  cha  do  leig  i  leis  an  t-saoghal  sin 
fhaicinn,  agus  cha  mho  a  thuig  no  chunnaic 
Eachann  e,  oir  bha  e  car  spailpeanta  gu  na- 
durra  agus  cinnteach  as  fein,  agus  a  thuilleadh 
air  sin  bha  e  cho  driopail  a'  reic  guail  agus 
guano  's  nach  robh  iiine  aige  a  bhi  a'  smuainea- 
chadh air  faireachduinean  a  mhnatha.  Cho 
fad  's  a  bha  an  tigh  air  a  chumail  gu  maith,  agus 
nach  biodh  a  chlann  a'  caoineadh,  no  Iseabal 
a'  gearan,  bha  Eachann  an  diiil  gu  robh  ciiisean 
a'  dol  air  an  aghaidh  gu  gasda. 

Cha  robh  dad  a'  tighinn  foidhe  ach  airgiod 
a  dheanamh,  agus  rinn  e  sin,  barrachd  airgid 
na  rinn  marsanta  eile  riamh  eadar  Loch  an 
Inbhir,  an  Cataibh,  agus  Ceann  Loch,  an  Cinn- 
tire.  Ach  mar  bu  mho  a  bha  e  a'  deanamh  a 
dh'  airgiod  is  ann  bu  mho  a  bha  airgiod  a 
dhith  air,  agus  is  ann  bu  mho  a  bha  e  a'  cosd. 
Uair  a  thug  a  bhean  e  a  dh'  ionnsuidh  a' 
Mhoid  anns  an  Oban  (an  aghaidh  a  thoile)  an 
uair  a  dh'  fhaighnich  i  dheth  cia  mar  a  thaitinn 
an  t-seinn  ris,  is  e  a  thubhairt  e  nach  cual  e 
fad  na  h-tiine  fuaim  a  bha  cho  taitneach  d'a 
chluais  ri  gliong  leth-chruin  air  a'  chuntar  anns 
a'  bhuth  aige  fein. 

B'e  la  na  Sabaid  an  la  air  am  biodh  e  a' 
sealltuinn  thairis  air  a  leabhraichean  ;  an 
uair  a  bhiodh  daoine  eile  ag  aoradh  do  Dhia 
anns  an  eaglais  bhiodh  Eachann  Woollie  ag 
aoradh  do  Mhammon  ann  an  ciiil  bhig  far  an 
robh  na  leabhraichean  air  an  gleidheadh  anns 
a'  bhuth.  Cha  robh  e  fein  no  a  bhean  a'  dol 
uair  air  bith  do'n  eaglais  ;  cha  rachadh  Iseabal 
innte  a  chionn  nach  rachadh  esan  leatha,  is 
cha  rachadh  Eachann  innte  a  chionn  gu'm 
b'  fhearr  leis  a  bhi  ri  obair  an  t-saoghail. 

Ged  bha  Eachann  Woollie  gaolach  air 
airgiod  a  dheanamh  bha  e  gaolach  cuideachd 
air  a  bhi  'g  a  chosd  ;  cha  b'  urrainn  duine  beo 
a  radh  gu  robh  e  cruaidh  no  spiocach.  Bha  e 
coibhneil  r'a  luchd-oibre,  agus  ri  choimhears- 
naich,  agus  gu  sonruichte  ris  an  fheadhainn  a 
bha  anns  an  sgoil  comhla  ris,  agus  ged  bhiodh 
daoine  ag  innseadh  d'a  cheile  naidheachdan 
beaga  tugaideach  uime,  air  a  chulaibh  nach 
h-innseadh  iad  air  a  bheulaibh,  bu  toigh  le 
muinntir  a'  bhaile  e,  is  cha  robh  nimh  no 
miorun  anns  na  naidheachdan  sin.  Cha  robh 
annta  ach  seanchas  abhacach  mu  ghaol 
Eachainn  air  a  bhi  mor.  An  uair  a  chuir 
e  suas  clach-chinn  aig  uaigh  athar  agus  a 
mhathar  thug  e  aithne  do'n  t-snaidheadair  i 
bhi  da  throigh  na  b'  airde  na  clach  eile  anns  a' 
chladh. 

A'  bhliadhna  a  dh'  fhag  e  an  tigh  beag  agus 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— IS  DUAL  DO'N  DUINE  BRON 


a  chaidh  e  a  dh'  fhuireach  do'n  tigh-mhor  a 
dh'  f  heumadh  coig  searbhantan,  thoisich  daoine 
air  monmhur  'n  am  measg  fein  nach  b'  urrainn 
dha  uiread  airgid  a  dheanamh  anns  a'  bhiith 
's  a  bha  e  a'  cur  a  mach.  Theireadh  cuid 
gu'n  d'  fhuair  e  airgiod  mor  le  mlmaoi,  gu'n 
d'  fhag  bantrach  a'  bhancair  leth-cheud 
mile  aice  ;  theireadh  cuid  eile  gu  robh  bra- 
thair-athar  aige  ann  am  Ballarat,  robair 
fiadhaich  aig  an  robh  tigh-osda  anns  an  do 
chaill  iomadh  duine  am  fortan  a  rinn  e  ann  am 
meinnean  an  oir,  agus  gu'n  d'  thainig  ciste 
throm  de'n  or  sin  gu  Eachann  Woolhe.  Ach 
cia  mar  air  bith  a  fhuair  e  e,  bha,  a  reir  choslais, 
gu  leor  a  dh'  airgiod  aig  Eachann  WoolUe. 

Goirid  an  deidh  dha  dol  a  chomhnuidh  do'n 
tigh-mhor  cheannaich  e  yacht  riomhach  ;  an 
uair  a  dh'  fhaighnich  cuid-eigin  dheth  ciod  am 
feum  a  bha  aige  air  yacht  thubhairt  e  gu  robh 
yacht  aig  Poltalloch  agus  aig  an  Righ,  agus 
gu'm  biodh  i  feumail  dha  a  ghiulan  guail 
agus  aoil  agus  guano  a  dh'  Aird-nam-murchann 
agus  do  Loch  Suaineart.  An  sin  chualas 
gu'n  do  cheannaich  e  oighreachd  bheag  anns 
an  Apuinn,  ag  radh  nach  robh  e  ceart  fearann 
na  Gaidhealtachd  a  bhi  tuiteam  an  lamhan 
Bord  an  Fhearainn  ;  gu'm  b'  fhearr  e  bhi  an 
lamhan  dhaoine  aig  an  robh  gu  leor  de  ghuano 
a  chuireadh  iad  air.  "  Cuiridh  mise,"  ars' 
esan  "  se  oirlich  de  ghuano  air  gach  troigh 
fhearainn  anns  an  Apuinn  gus  am  bi  coirce- 
mor  a'  fas  ann  cho  ard  ri  crann  na  yacht  aig 
an  Righ."  B'e  an  ath  leum  a  thug  e  as  Hotel 
mor  anns  an  Oban  a  cheannach  ;  bha  saoir 
agus  pleastairean  an  Obain  ag  oibreachadh  da 
uair  a  bharrachd  a  h-uile  la,  a'  feuchainn  ris  an 
Hotel  fhaotainn  deas  gu  luath,  agus  iad  a' 
cluinntinn  gu  robh  Tigh  nan  Cumantan  uile 
a'  tighinn  a  dh'  fhaicinn  inneal-mharbhaidh  ur 
a  bha  ri  bhi  air  a  feuchainn  agus  air  a  dearbhadh 
air  ciil  Chearara,  agus  gur  ann  anns  an  Hotel 
aig  Eachann  Woollie  a  bha  Cinn  na  Parlamaid 
agus  Cinn  nan  soithichean-cogaidh  a  dol  a 
dh'  fhuireach. 

Am  feadh  's  a  bha  na  gnothuichean  mora  so 
air  an  cur  air  bhonn  le  Eachann  Woollie,  agus 
aireamh  mhor  dhaoine  a'  ruith  an  sud  agus  an 
so,  gus  aithntean  agus  iarrtusan  an  duine  a 
chur  an  geill,  ann  am  bancaidhean,  ann  an 
seomraichean  luchd-lagha,  ann  am  buithean 
mharsantan,  bha  Eachann  air  chiil  a'  chuntair 
'n  a  bhiith  fein  ;  cho  ciallach,  socrach,  sio- 
bhalta,  ri  aon  air  bith  de  na  gillean  a  bha  fo 
phaidheadh  aige  ;  a  mhuilichinnean  truiste, 
aparan  m'a  mheadhon,   agus   facal   coibhneil. 


freagarrach,  aige  do'n  bhoirionnach  bhochd  a 
bha  a'  ceannach  punnd  siiicair  cho  maith  's 
a  bha  aige  do'n  tuathanach  a  cheannaicheadh 
deich  tunna  guano.  Ged  a  cheannaich  e  yacht 
agus  oighreachd,  agus  Hotel,  bha  e  air  dhoigh 
eile  cho  pongail  agus  cho  iriosal  's  a  bha  e 
riamh,  is  cha  b'  urrainn  muinntir  a'  bhaile  dad 
eile  a  radh  ach  gu  robh  doighean  duine  airgiod- 
ach  a  cheart  cho  iongantach  ri  slighe  fir  le 
h-6igh,  no  ri  slighe  na  h-iolaire  anns  na  speur- 
aibh. 

****** 

An  ceann  maduinn  no  dha,  an  aite  eirigh  aig 
se  uairean  mar  b'  abhaist  dha,  dh'  fhan  Eachann 
Woollie  'n  a  leabaidh,  is  dh'  iarr  e  air  Iseabal 
fios  a  chur  air  an  t-Siorram,  agus  e  air  son 
innseadh  dha  gu  robh  Probhaist  an  Obain  ag 
obair  anns  an  t-seomar  aige  fad  na  h-oidhche, 
a'  tolladh  a  chinn  le  tora.  Thubhairt  e  rithe 
cuideachd  gu  robh  sgaoth  de  dhaoine  beaga 
comhla  ris  a'  Phrobhaist,  agus  a  h-uile  uair  a 
bheireadh  am  Probhaist  fiacall  as,  gu'n  tilgeadh 
e  i  air  na  daoine  beaga,  agus  gu'm  falbhadh 
iad  cho  luath  ris  a'  ghaoith,  a  mach  air  an 
t-similear,  a  thoirt  nam  fiacall  aige  do  Chearai'a, 
far  an  robh  Soitheach-adhair  o  Mhussolini  a' 
feitheamh  orra,  agus  e  a'  dol  'g  an  cur  gu  righ 
Abyssinia,  an  aite  na  feadhnach  a  chuir  e  as. 

Chuir  Iseabal  fios  air  an  dotair ;  chuir  an 
dotair  fios  air  dotair  eile,  agus  m'  an  tainig 
an  oidhche  bha  Eachann  Mac-an-Toisich  air 
a  thoirt  air  falbh  do  Cheann  Loch  Gilb. 

An  sin  shaoileadh  tu  nach  robh  uiread 
chleireach  no  uiread  bhancairean  an  Earra 
Ghaidheal  's  a  thoisich  air  tighinn  do  bhiith 
Eachainn,  a  rannsachadh  a  leabhraichean. 
Air  a'  cheann  mu  dheireadh  fhuair  iad  a 
mach  nach  robh  aon  sgillinn  ruadh  aige  leis 
am  paidheadh  e  an  oighreachd,  agus  an 
yacht,  agus  an  Hotel,  a  cheannaich  e ;  gu 
robh  iad  air  am  paidheadh  le  airgiod  -  iasaid 
o  bhancaidhean,  agus  o  luchd-lagha,  agus  o 
mharsantan-mora  a  bha  an  diiil  gu  robh 
Eachann  Woollie  'n  a  dhuine  beartach.  Fhuair 
iad  a  mach  cuideachd  gu'n  d'  ith  am  buth  a 
h-uile  sgillinn  de'n  airgiod  a  bha  aig  Iseabal  ; 
gu  robh  Eachann  baidhte  am  fiachan  o  chionn 
bhliadhnachan,  agus  nach  do  chiim  dad  eile  e  o 
bhi  briste  ach  am  beachd  a  bha  aig  daoine 
gu'm  bu  duine  airgiodach  e. 

Bha  Iseabal  agus  a'  chlann  air  am  fagail  gun 
chuid,  gun  dachaidh,  ach  ged  tha  fhios  agam 
ciod  a  dh'  eirich  dhaibh-san,  agus  cia  mar  a 
dh'  ullaich  Dia  agus  cairdean  caomhail  air  an 
son,  cha  ruig  mi  a  leas  sin  innseadh  an  trath-sa. 


IS  DUAL  DO'N  DUINE  BRON 

BHA  an  Dan  so  air  a  thionndadh  gu  Gaidhlig       ealadhain    mhaith    air    bardachd    Bheurla    a 
leis    an    Urramach    Iain    Mac-an-Aba,    an       thionndadh  gu   Gaidhlig,  gun   a  smior,   no   a 
Sgibinnis,    an    Cinn-tire,    duine    aig    a    bheil       spiorad,    no    a   dreach    a   chall.     Chan    aithne 


IS  DUAL  DO'N  DUINE  BRON 


dhomh  duine  eile  aig  a  bheil  lamh  as  fhearr 
air  an  obair  so  na  tha  aige,  is  bhitheadh  e 
'n  a  bhuannachd  do  litreachas  na  Gaidhlig 
na'n  leanadh  e  oirre. 

An  aite  a  bhi  a'  deanamh  rannan  as  an  cinn 
fein,  rannan  air  nach  bi  snas  no  bias  air  a' 
cheann  niu  dheireadh,  b'  fhearr  do  sgoilearan 
oga  Gaidhealach  feuchainn  ris  na  nithean 
maiseach  a  gheibhear  am  bardachd  Bheurla 
a  chur  an  Gaidhlig.  Tha  so  duilich  a  dhean- 
amh,  ach  cha  bhi  obair  mhaith  gu  brath  gun 
dragh. 

Cha  ruig  mi  a  leas  innseadh  do  luchd- 
leughaidh  nan  duilleagan  so  gur  e  Burns  a 
rinn  an  Dan,  agus  gu'm  b'e  caradh  truagh 
nan  daoine  ri  linn  a  thug  air  a  dheanamh. 
Tha  daoine  a'  caoidh  cor  na  Gaidhealtachd 
an  diugh  mar  bha  iad  a'  caoidh  cor  na  diithcha 
anns  na  laithean  ud,  ach  ged  tha  feum  againn 
air  laghanna  ura,  theagamh  gu  bheil  barrachd 
feum  againn  air  scire,  is  gradh,  is  coibhneas, 
mar  tha  Burns  a'  cur  'n  ar  cuimhne. 

AIR  feasgar  geamhraidh,  's  mi  air  chuairt 
-     Mu  bhruachaibh  abhainn  Ayr 
'Nuair  ruagas  gailUonn  fuar  na  Tuaith 

Gach  cluain  is  fireach  ard, 
Fear-turuis  choinnich  mi  'nam  ruaig 

Fo  uallach  trom  de  chradh  ; 
Bha  aileadh  bhliadhnachan  'na  ghruaidh 
'S  a  ghruag  gu  tana  ban. 

"  Ciod  e  do  thoir  air  raon,  'san  uair  ?  " 

Thuirt  rium  an  truaghan  aosd'  ; 
"  'N  e  goraich  mhaoth  na  h-oig'  tha  bhuait 

No  storas  meallt'  an  t-saoghail, 
No'n  d'  fhuair  do  chridhe  'n  t-eolas  buan 

'Dh  'fhag  mise  luaineach  faoin 
A'  siubhal  bhruach,  a'  caoidh  gach  truaigh' 

As  dual  do  chloinn  nan  daoin'  ?  " 

"  A  ghrian  'tha  cromadh  cul  nan  cruach, 

Le  'n  sluagh  fo  dhuibhre  neoil, 
Na  miltean  fann  le  falus  gruaidh 

'S  gur  gann  tha  'n  cead  'bhi  beo, 
Raidh-geamhraidh  chunna  mi  'na  cuairt 

Ceithir  fichead  uair  is  corr  ; 
'S  gach  uair  thug  dhomh-sa  urras  nuadh 

Gur  dual  do'n  duine  bron. 

"  An  tiis  a  re,  gun  shuim  gun  chiall, 

Tha  'n  duine  feadh  gach  linn, 
Caoin-shuarach  mar  tha  'n  uair  a'  triall, 

'S  na  bliadhnachan  nach  till  ; 
An  f  heoil  's  an  saoghal  'ga  shlaodadh  cli 

Le  claonadh  fiar  o'n  choir, 
Is  sgriobht'  an  cois  gach  gniomh  a'  bhinn 

Gur  cinnteach  dha-san  bron. 

'S  na  beachdaich  air  'na  oige,  'mhain, 
Tha  'dhiiil  's  a  dhochas  beo, 


Is  caraid  dha-san  liigh  nan  lamh, 

'S  ciil-taice  neart  nan  dorn  ; 
Ach  faic  e  dliith  air  bruaich  na  h-uaigh' 

'Na  dheoiridh  truagh  gun  treoir  ; 
An  ainnis  liath  'na  fianuis  bhuan, 

Gur  dual  do'n  duine  bron. 

"  Tha  cuid  an  seilbh  air  sporan  Ian, 

Gun  ghainne  barr  no  loin, 
Ged  's  trie  nach  caraich  airgiod  cradh 

'S  nach  glacar  slaint  le  h-or  ; 
Ach  's  lionmhor  iad,  mo  chreach  !  d'  an  dan 

Re  ganntair,  craidh,  is  Icon, 
Gach  oidhche  's  la  o'm  breith  gu  'm  bas 

Fo  charadh  bochd  a'  bhroin. 

"  Is  iomad  acaid  ghuineach  gheur 

'Tha  'n  liiib  ar  ere  ri  'r  beo, 
Ach  's  miosa  uile  a  dhealbh  sinn  fein 

Le  mi-run,  eud,  is  leom  : 
An  sluagh  'fhuair  solus  iiiil  o'n  speur, 

Is  iomhaigh  Dhe  mar  ghloir, 
Tha  'n  ainneart  trom  air  cach-a-cheil' 

A'  dioladh  pein  is  broin. 

"  An  t-oibriche  le  'shlinnean  crom, 

Cho  trailleil  com  is  doigh, 
Ag  iarraidh  cead  o  bhrathair  's  an  fhonn 

Gu  faigh  e  saothair  a  loin  ; 
Is  faic  an  t-urra  mor  'na  uaill 

'Ga  ruagadh  bhuaith  le  'bhroig 
Gun  iochd  ri  mathair  a'  chridhe  trom 

No  paisdean  lorn  a'  bhroin. 

"Ma  chaidh  mo  chruthachadh  's  an  riin 

Gur  diith  dhomh  'bhi  'nam  thraill, 
Car  son  a  fhuair  rui  anam  's  tiir 

B'e  staid  na  briiit  a  b'  fhearr  ; 
'S  mur  deachaidh,  ciamar  tha  mi  'n  drasd 

Fo  smachd  is  sail  fir-mhor'  ; 
'S  car  son  tha  cead  aig  neach  tha  lathair 

A  bhrathair  a  chur  gu  bron  ? 

"  A  bhais,  tha  samhchair  ann  ad  dhail, 

'S  tu  caraid  blath  nam  bochd, 
Failt  air  an  la  's  am  faigh  mi  tamh 

'S  am  bi  gach  cradh  'na  thosd  : 
Is  culaidh-uamhais  thu  do'n  al 

Nach  d'  fhairich  tair  no  sprochd, 
Ach  's  baigheil  beannaichte  do  lamh 

Do  dhream  a'  chridhe  ghoirt. 

"  Ged  's  bochd  an  diol  'tha  'm  brigh  mo  dhuain, 

Na  creid  gur  buan  an  seol  : 
Gheibh  gaol  is  sith  ri  tim  a'  bhuaidh. 

Is  miithaidh  caoidh  gu  ceol  : 
Do  'n  chinne-daonn'  tha  'n  gealladh  fior 

Gu  'n  siabar  bhuainn  na  deoir  : 
Tha  diiil  ri  dachaidh  nuadh  o'n  Righ, 

'S  thig  crioch  air  latha  'bhroin." 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


THA  iomadh  rud  a'  tachairt  aims  an  t-saoghal 
so  nach  'eil  daoine  a  tuigsinn,  nithean  a 
tha  OS  cionn  ar  n-eolais  agus  ar  fiosrachaidh. 
Ach  ged  nach  'eil  e  furasda  dhuinn  a  thuigsinn 
cia  mar  a  tha  iad  a'  tachairt  chan  'eil  sin  a' 
ciallachadh  nach  'eil  iad  fior.  Bheireadh 
fianuisean  creideasach  am  facal  gu  bheil  an 
naidheachd  so  fior. 

Sheol  Iain  Camshron  'n  a  Mheat  air  bare 
mor  breagh  a  dh'  fhag  Glaschu  a  dhol  do 
Bhrunsuig  Ur  air  taobh  thall  na  h- Atlantic,  ann 
an  toiseach  an  t-samhraidh  o  chionn  beagan 
bhliadhnachan. 

An  uair  a  bha  i  dluth  air  oitirean  Newfound- 
land bha  an  sgiobair  agus  am  meat  shuas 
air  an  drochaid,  a'  gabhail  na  greine  aig  da 
uair  dheug  mar  a  b'  abhaist,  los  a  dheanamh 
a  mach  c'  aite  an  robh  iad.  An  deidh  dhaibh 
a'  ghrian  a  ghabhail,  chaidh  iad  sios,  gach  fear 
d'a  sheomar  fein,  a  dh'  oibreachadh  air  an 
cairtean-seolaidh,  feuch  an  robh  iad  a  cordadh 
ri  cheile  a  thaobh  an  aite  anns  an  robh  am  bata. 

An  uair  a  bha  am  meat  ullamh,  chaidh  e  a 
steach  do  sheomar  an  sgiobair  a  leigeil  f  haicinn 
dha  c'  aite  an  robh  e  an  diiil  a  bha  an  soitheach. 
Bha  an  sgiobair  (a  reir  choslais)  'n  a  shuidhe 
aig  an  dasc,  a'  sgriobhadh  air  sgleat  ;  agus 
gun  uiread  agus  sealltuinn  air,  no  a  shiiil 
a  thogail  bharr  na  cairt-sheolaidh  a  bha  'n 
a  laimh  fein,  dh'  fhaighnich  am  meat  dheth 
c'  aite  an  robh  e  an  diiil  a  bha  iad.  An  uair 
nach  do  fhreagair  an  sgiobair  chaidh  am  meat 
na  bu  dliiithe  dha  is  dh'  fhaighnich  e  a'  cheart 
cheist  a  ris.  An  dara  uair  cha  do  fhreagair 
an  duine  a  bha  aig  an  dasc,  ach  thionndaidh 
e  a  cheann,  agus  anns  an  tionndadh  sin, 
chunnaic  am  meat  nach  e  an  sgiobair  a  bha 
ann  idir,  ach  duine  nach  fhaca  e  riamh  roimh. 

Ged  nach  bu  ghealtair  am  meat  chuir  rud- 
eigin  a  bha  ann  an  coslas  agus  ann  an  aodann 
an  duine  fiamh  air,  agus  gun  uiread  agus  a 
lethsgeul  a  ghabhail,  no  facal  siobhalta  air 
chor-eigin  a  radh  ris  an  fhear  nach  robh  e  ag 
aithneachadh,  leum  e  a  mach  as  an  t-seomar 
is  ruith  e  suas  an  staidhir  gu  drochaid  na 
luinge.  An  uair  a  rainig  e  an  drochaid  bha 
an  sgiobair  a'  sraideamachd  oirre,  mar  nach 
robh  dad  cearr  air,  no  ciiram  air  mu  chiirsa 
an  t-soithich,  ach  leis  gu  robh  anail  a'  mheat 
'n  a  uchd,  dh'  fharraid  an  sgiobair  dheth  an 
robh  dad  cearr  air. 

"  Co,"  ars'  am  meat,  "  a  tha  'n  a  shuidhe  aig 
an  dasc  agaibh  'n  'ur  seomar  ?  " 

"  Chan  aithne  dhomhsa,"  ars'  an  sgiobair, 
"  gu  bheil  duine  air  bith  'n  am  sheomar  ; 
ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh  ?  " 

Dh'  innis  am  meat  dha  mu'n  choigreach 
a  chunnaic  e  'n  a  shuidhe  aig  an  dasc,  ach  is 


ann  a  thoisich  an  sgiobair  air  tarruing  as,  ag 
radh  gu  robh  a  shiiilean  'g  a  mhealladh,  no 
gu  robh  e  'n  a  leth-chadal  agus  a'  bruadar,  no 
gur  e  an  stitibhard  a  chunnaic  e  aig  an  dasc  agus 
nach  d'  aithnich  e  e." 

"  Abraibh-se  ar  roghainn,"  ars'  am  meat, 
"  ach  chan  e  an  stiubhard,  no  duine  eile  a 
bhuineas  do'n  bhata  so  a  chunnaic  mise  'n  a 
shuidhe  aig  an  dasc,  ach  coigreach  nach  fhaca 
mi  riamh  ;  chunnaic  mi  e  cho  soilleir  's  a  tha 
mi  'g  'ur  faicinn-se  an  dearbh  mhionaid  so, 
agus  e  a'  sgriobhadh  air  an  sgleat  agaibh." 

"  Theid  sinn  sios  le  cheile,"  ars'  an  sgiobair, 
"  agus  chi  mi  le  mo  shuilean  fein  an  coigreach 
so  ! 

Ach  an  uair  a  dh'  fhosgail  iad  an  dorus  cha 
robh  duine  ann  an  seomar  an  sgiobair  ;  bha 
e  falamh. 

"  Cha  ruigeamaid  a  leas  an  drochaid  f hag- 
ail,"  ars'  an  sgiobair  ;  bha  fhios  agam  gur 
ann  a'  bruadar  a  bha  thu."  Chuir  e  diomb  j 
air  a'  mheat  an  sgiobair  a  bhi  a'  cur  teagaimh  m 
'n  a  fhacal,  "  Na  'n  fhaiceam  tir  gu  brath," 
ars'  esan,  "  mur  faca  mi  an  duine  cho  soilleir 
's  a  tha  mi  'g  'ur  faicinn-se  air  a'  mhionaid  so." 

Thog  an  sgiobair  an  sgleat,  ach  cha  luaithe 
a  thog  e  i  na  thubhairt  e  mar  gu'm  biodh  e  a'J 
bruidhinn  ris  fein,  "  Gu  de  tha  an  so,  Stiuir* 
Tuath  's  Ear  Thuath."     "  An  tusa,"  ars'  esan 
ris  a'  mheat,  "  a  sgriobh  so  air  an  sgleat  ?  " 

Bhoidich  am  meat  nach  b'  esan  a  rinn  an 
sgriobhadh,  ach  bha  an  sgiobair  cho  amharus- 
ach  's  gu'n  d'  iarr  e  air  na  ceart  fhacail  a 
sgriobhadh  air  an  taobh  eile  de  'n  sgleat,  los 
gu'm  faiceadh  e  a  lamh-sgriobhaidh. 

Ach  cha  robh  an  da  lamh-sgriobhaidh  idir 
coltach  ri  cheile.  Bha  an  sgiobair  a'  fas  rud 
beag  cas  'n  a  nadur,  is  chuir  e  fios  air  an  dara 
meat,  agus  air  an  stiiibhard,  agus  air  gach 
duine  eile  air  bord,  a  b'  urrainn  dol  a  steach 
d'a  sheomar  gun  fhios  dha.  Cheasnaich  e 
iad,  is  dh'  iarr  e  orra  uile  na  facail  ud  a  sgrio- 
bhadh le  peanseal  air  an  sgleat,  ach  mhionn- 
aich  is  bhoidich  iad  uile  nach  deachaidh  iad  a 
steach  do'n  t-seomar,  agus  nach  mo  a  chunnaic 
iad  coigreach  air  bord. 

An  uair  a  dh'  fhairtlich  e  air  an  sgiobair 
solus  fhaotainn  air  a'  chilis,  dh'  fheuch  e  ris 
an  rud  a  chur  air  falbh  bho  'inntinn  uile  gu 
leir,  ach  a  dh'  aindeoin  a  chridhe  thigeadh 
na  facail  a  bha  sgriobhta  air  an  sgleat  fa 
chomhair  a  shiil,  ge  b'  e  taobh  an  sealladh  e. 
An  sin  thoisich  iad  air  iad  fein  a  sheinn  'n  a 
chluais  agus  'n  a  cheann,  Stiuir  Tuath  's  an 
Ear  Thuath,  Stiiiir  Tuath  's  an  Ear  Thuath. 
Mu  dheireadh  thug  e  ordugh  ciirsa  a'  bhata 
atharrachadh  agus  stiiiireadh  gu  Tuath  's 
an  Ear  Thuath,  ged  bha  e  ag  radh  ris  fein 


r 

A 

1  1 


ANNS  A^  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


nach  robh  ann  ach  faoineas  is  amaideas. 
Ach  CO  dhiu  dh'  iarr  e  air  a'  mheat  dithis  eile 
a  chur  comhla  ris  an  fheadhainn  a  bha  air 
faire  ann  an  toiseach  a'  bhata  agus  anns  a' 
chrann. 

Chiim  e  air  a'  bharc  mar  sin  coig  uairean  a 
dh'  iiine  agus  soirbheas  maith  aice,  gus  an 
do  ghlaodh  fear  de  na  bha  anns  a'  chrann  gu 
robh  Meall-Eigh  (iceberg)  direach  air  thoiseach 
orra.  An  uair  a  thainig  iad  dliith  dhi  bha 
an  sgiobair  ag  amharc  oirre  leis  na  gloineachan, 
is  faicear  gu  robh  long  mhor  an  sas  anns  an 
iceberg,  agus  daoine  air  clar  na  luinge  a'  feuch- 
ainn  ri  sanas  a  thoirt  dha  gu  robh  iad  'n 
an  eigin.  Chaidh  e  cho  dliith  dhaibh  's  a 
b'  urrainn  e,  chuir  e  a  mach  geolachan,  agus 
ann  an  tri  uairean  a  dh'  iiine  bha  a  h-uile  duine 
a  bha  air  bord  innte  air  an  sabhaladh. 

An  uair  a  bha  luchd  te  de  na  geolachan  a' 
tighinn  ri  cliathach  na  luinge,  agus  am  meat 
a'  cuideachadh  leo  streap  air  bord,  sheall  e  air 
fear  de  na  daoine  gu  diir,  is  thubhairt  e  ris  an 
sgiobair,  "  Sin  agaibh  an  duine  a  chunnaic 
mise  a'  sgriobhadh  air  an  sgleat  aig  an  dasc." 

Cha  dubhairt  an  sgiobair  dad  aig  an  am, 
oir  bha  ciiisean  a  bu  chudthromaiche  aige  air 
laimh,  ach  an  uair  a  bha  obair  na  trocair 
criochnaichte,  is  biadh  agus  aodach  blath  air  a 
thoirt  do  na  daoine  a  bha  air  am  meileachadh 
le  fuachd  is  eagal,  chuir  e  fios  air  an  duine  is 
dh'  fhaighnich  e  dheth  gu  reidh  siobhalta  am 
bitheadh  e  cho  maith  agus  na  facail  so  a 
sgriobhadh  air  sgleat  a  thug  e  dha,  Stiuir 
Tuath  's  an  Ear  Thuath. 

Rinn  an  duine  mar  dh'  iarr  an  sgiobair  air  ; 
an  sin  thionndaidh  an  sgiobair  an  sgleat  (bha 
a'  cheud  sgriobhadh  air  f  hagail  oirre)  is  thubh- 
airt e  ris,  gun  innseadh  dha  gu'n  do  thionn- 
daidh e  i,  "A  bheil  thu  ag  aithneachadh  na 
laimhe-sgriobhaidh  so  ?  " 

Chuir  ceist  an  sgiobair  ionghnadh  air  an 
duine  ;  "  ciamar,"  ars'  esan,  "  nach  aithnichinn 
mo  lamh-sgriobhaidh  fein  ;  sin  an  rud  a 
sgriobh  mi  o  chionn  leth  mionaid." 

An  sin  leig  an  sgiobair  fhaicinn  dha  gu  robh 
na  facail  air  an  sgriobhadh  air  da  thaobh  na 
sgleat.  Chuir  so  ionghnadh  na  bu  mho 
air  an  duine  ;  "  cha  do  sgriobh  mise  ach  na 
tha  air  aon  taobh,"  ars'  esan,  "  ach  is  e  mo 


lamh-sgriobhaidh  a  tha  air  an  taobh  eile  gun 
teagamh." 

Cha  b'e  aon  de  sgioba  a'  bhata  a  bha  anns 
an  duine  idir  ach  fear  a  bha  a'  gabhail  a  thuruis 
innte  o  Mhontreal  gu  Liverpool,  an  uair  a 
bhuail  i  am  meall-eigh. 

Cheasnaich  an  sgiobair  sgiobair,  agus  stiii- 
bhard,  agus  sgioba  a  bhata  eile,  a  thuilleadh 
air  an  duine  fein  a  cheasnachadh,  feuch  am 
faigheadh  e  a  mach  ciod  a  bha  e  a'  deanamh 
aig  an  am  anns  am  faca  am  meat  a  choslas,  a' 
sgriobhadh  aig  dasc  an  sgiobair. 

Thubhairt  an  stiiibhard  agus  triiiir  eile 
gu'm  faca  iad  e  'n  a  shuain  chadail  eadar 
da-uair-dheug  agus  leth  uair  an  deidh  da- 
uair-dheug,  agus  e  cho  glas  's  an  aodann  ris 
a'  mharbh,  is  thubhairt  an  sgiobair  gu'n 
tainig  e  'g  a  ionnsuidh-san  mu  aon  uair  a  dh' 
innseadh  dha  nach  b'  fhada  gus  am  biodh  iad 
uile  air  an  tearnadh,  a  chionn  gu'm  faca  e  ann 
am  bruadar  gu  robh  e  air  bord  bare  mor  breagh 
a  bha  dol  a  thoirt  cobhair  dhaibh.  Thubhairt 
an  sgiobair  gu'n  d'  innis  an  duine  dha  coslas  an 
t-soithich,  na  siiiil  a  bha  rithe,  an  dath  a  bha 
air  a'  pheant  a  bha  oirre  a  mach  's  a  stigh,  ach 
nach  do  ghabh  easan  moran  suime  de  na  bha 
e  ag  radh,  a  chionn  gu  robh  e  an  diiil  nach  robh 
ann  ach  breisleach  duine  a  bha  air  dol  bharr 
a  shiiiil  le  eagal. 

Chuir  sgiobair  an  t-soithich  a  sheol  a  Glaschu 
aon  cheist  eile  air,  "  Tha  thu,"  ars'  esan, 
"  ag  radh  gu  'n  do  bhruadair  thu  a  bhi  air 
bord  an  t-soithich  so,  am  faca  tu  thu  fein  anns 
a'  bhruadar  sin  a'  sgriobhadh  air  an  sgleat  ?  " 

"  Chan  fhaca,"  ars'  esan,  "  agus  cha  mho 
a  tha  fhios  agam  ciamar  a  fhuair  mi  fios  gu 
robh  am  bare  a'  dol  'g  ar  sabhaladh,  ach  rud 
a  tha  gle  iongantach,  tha  mi  mar  gu'm  b' 
aithne  dhomh  coslas  an  t-seomair  so  gu  maith 
(seomar  an  sgiobair)  ged  nach  robh  mi  riamh 
ann  gus  a'  mhionaid  so." 


Ciod  a  their  thu  ris  an  naidheachd  so,  a 
leughadair  ?  Chan  'eil  fhios  agam-sa  ciod 
a  their  mi  rithe  ach  a  mhain  so  gu  bheil  nithean 
a'  tachairt  ann  an  saoghal  na  h-inntinn  agus 
ann  an  spiorad  mhic  an  duine  a  tha  dol  os 
cionn  ar  sgil  agus  ar  sgoil-ne. 


Aig  an  Uinneig 


Urram  do  mhinistear  Gaidhealach 

THA  e  'n  a  thoileachadh  dhomh  daonnan 
urram  no  onoir  a  thighinn  gu  ministear 
Gaidhealach,  ach  tha  e  'n  a  thoileachadh 
sonruichte  gu  bheil  Oil-thigh  Ghlaschu  a' 
toirt  D.D.  do  m'  fhear-diithcha  Eachann  Mac 
Gill-Eathain,  ministear  an  t-Stratha  anns  an 
Eilean  Sgitheanach.     Na   'n  robh   athair  coir 


beo,  agus  na'm  faca  e  na  litrichean  sin  as 
deidh  ainm  a  mhic,  bhiodh  mo  thoileachadh 
air  a  dhiiblachadh. 

Is  e  Eachann  Mac  Gill-Eathain  as  cleireach 
do  Chleir  an  Eilein  Sgitheanaich,  dreuchd  a 
tha  a'  togail  cuid  mhaith  d'a  tiine,  ach  a  tha 
toirt  cothrom  dha  obair  a  dheanamh  do'n 
eaglais    an   taobh   a   mach   d'a    choimhthional 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


fein.  A  thuilleadh  air  sin,  riamh  o  bha  e 
air  a  shuidheachadh  ann  an  sgireachd,  bha 
lamh  aige  ann  an  Riaghlaireachd,  'n  a  sgireachd 
fein  agus  ann  an  siorramachd  Inbhir-nis. 
Tha  e  air  Comunn-riaghlaidh  na  Siorramachd 
an  Inbhir-nis  o  chionn  iomadh  bUadhna,  agus 
air  Comunn-riaghlaidh  nan  Sgoilean,  agus 
chan  ann  idir  'n  a  bhall  sainhach  no  balbh 
a  tha  e.  Chan  'eil  eagal  no  leisg  air  coirichean 
muinntir  an  Eilein  Sgitheanaich  a  thagar  aig 
coinneamh  air  bith  anns  a  bheil  e  feumail 
sin  a  dheanamh,  air  chor  agus  gu  bheil  e  'n 
a  aon  de  Chinn  an  eilein  anns  an  t-seagh  sin, 
a  thuilleadh  air  a  bhi  'n  a  mhinistear  dichiollach 
am  measg  a  choimhthionail  fein. 

An  t-OUamh  Donnchadh  Mac  Dhonnachaidh 

Air  a'  mhios  a  chaidh  seachad  bha  cruinn- 
eachadh  gasda  ann  an  Coit  Ghartain,  a  thoirt 
tiodhlaic  agus  beannachd  cheithir  sgirean 
do'n  duine  mhaith  so,  air  dha  a  bhi  leth-cheud 
bliadhna  anns  a'  mhinistrealachd.  Bha  e  air 
a  shuidheachadh  an  Arasaig  an  1888  ;  chaidh 
e  do'n  Tairbeart  an  1889  ;  do  Lus,  ri  taobh 
Loch  Laoiminn  an  1896,  agus  do  sgir  Obar- 
neithe  an  Srath-Speith  an  1907.  Thug  Oil- 
thigh  Chill-rimhinn,  far  an  robh  e  air  oilean- 
achadh,  D.D.  dha  an  1919>  ach  bhris  air  a 
shlainte  an  1921,  is  b'  fheudar  dha  uallach  na 
sgire  a  leigeil  dheth.  An  ceann  bhliadhna- 
chan,  air  dha  dol  na  b'  fhearr  ghabh  e  os 
laimh  sealltuinn  as  deidh  a'  choimhthionail 
iiir  a  chuir  Eaglais  na  h-Alba  air  chois  an  Coit 
Ghartain,  agus  a  bha  air  aonadh  ri  Cinn- 
chardain  a  b'  abhaist  a  bhi  an  sgir  Obar- 
neithe.  B'e  Coit  Ghartain  agus  Cinn-chardain 
an  sgir  mu  dheireadh  anns  an  do  shaothraich 
e,  ach  an  ceann  da  bhliadhna  b'  fheudar  dha 
an  obair  a  leigeil  dheth  a  ris  le  droch  shlainte. 

Bho  'n  is  cuimhne  learn  bha  Donnchadh 
Robasdan,  mar  theireamaid  ris,  ann  an  sreath 
leis  fein  am  measg  mhinistearan  Gaidhealach,; 
sgoilear  agus  diadhair  aig  an  robh  eolas  farsuing 
agus  tuigse  nadurra  a  dheanamh  feum  de  'n 
eolas  sin  ;  duine  anns  an  robh  ciiiine,  agus 
ciall,  agus  gliocas,  agus  coibhneas,  gu  nadurra  ; 
duine  a  naomhaich  e  fein  air  son  seirbhis  na 
h-eaglais  le  bhi  'g  a  chumail  fein  saor  o  gach 
obair  shaoghalta  agus  o  chabhag  na  beatha 
so  ;  duine  nach  cualas  riamh  a  ghuth  ag 
eigheach  air  sraid  no  aig  seanadh,  ach  ris  an 
eisdeadh  daoine  le  ro  aire  anns  a'  chubaid, 
oir  bha  beatha  agus  spioradalachd  'n  a  theagasg 
daonnan.     Bha    meas    mor    aig    ministearan 


eile  air,  agus  aig  a  h-uile  coimhthional  anns 
an  do  shaothraich  e  riamh  ;  is  chuir  iad  uile 
am  beannachd  agus  an  tabhartas  chuige  gu 
Coit  Ghartain,  far  an  robh  na  tiodhlacan  air  an 
toirt  dha. 

Gaol  an  airgid 

Mar  is  fhaide  a  smuainichear  air  an  fhacal 
so  a  sgriobh  Pol  is  ann  is  mo  a  chithear  dear- 
bhaidhean  gu  bheil  e  fior,  "  gu  bheil  gaol  an 
airgid  'n  a  fhreumh  do  gach  olc."  Tha  gaol 
an  airgid  a'  gabhail  a  steach  nan  uile  nithean 
a  ghabhas  ceannach  le  airgiod.  Chan  'eil 
maise  ann  an  sgillinn  ruadh,  no  ann  an  tasdan 
geal,  no  ann  an  not  paipear,  gu'm  biodh  gaol 
aig  daoine  orra  air  an  son  fein,  ach  tha  gaol 
aca  orra  a  chionn  gu'n  ceannaich  an  t-airgiod 
nithean  air  a  bheil  miann  aca  ;  biadh  maith,  is 
deoch  laidir,  is  aodach  riomhach  ;  saorsa,  is 
diomhanas,  is  aighear  ;  inbhe,  is  cumhachd, 
is  gloir  shaoghalta,  agus  solasan  eile  de'n 
t-seorsa  sin  as  toigh  le  feoil  mhic  an  duine. 
Cha  ruig  duine  gun  airgiod  ach  air  gle  bheag  de 
sholasan  na  feola,  ged  a  dh'  fhaodas  e  solasan 
as  fhearr  agus  as  airde  fhaotainn  gun  airgiod 
agus  gun  luach. 

Tha  aon  olc  anns  an  diithaich  an  diugh  a  tha 
air  tighinn  gu  airde  eagallach,  mi-naomha- 
chadh  la  an  Tighearna,  agus  is  e  freumh  an 
uile  sin  "  gaol  an  airgid  ;  "  daoine  anns 
bheil  spiorad  na  marsantachd  a'  gabha 
cothroim  air  amaideas  agus  aotrumas  an 
co-chreutairean  los  airgiod  a  thoirt  as  am 
pocanna  agus  a  chur  'n  am  pocanna  fein. 
Theagamh  gu  bheil  iad  'g  am  mealladh  fein, 
a'  saoilsinn  gur  e  maith  an  t-sluaigh  a  tha  aca 
's  an  t-sealladh,  ach  fad  na  h-uine  is  e  "  gaol 
an  airgid  "  a  tha  ag  oibreachadh  annta.  Na 
saoileadh  duine  air  bith  gur  e  "  gaol  an  t- 
sluaigh,"  a  tha  toirt  air  na  daoine  d'  am  buin 
na  rathaidean-iaruinn  carbadan-iaruinn  a  chur 
a  mach  air  an  t-Sabaid  ;  chan  e  idir,  ach  gaol 
an  airgid.  A  h-uile  biith,  no  garage,  no  aite- 
golf,  no  tigh-osda,  no  tigh-tea  a  tha  fosgailte 
air  an  t-Sabaid,  tha  iad  fosgailte  a  chionn  gu 
bheil  an  duine  no  an  comunn  leis  an  leis  iad 
sanntach  air  airgiod,  agus  toileach  amaideas 
agus  luaineachas  an  co-chreutairean  a  chur 
gu  buannachd  dhaibh  fein.  Tha  cridhe  mhic 
an  duine  an  dh.  chuid  domhain  agus  cealgach, 
is  saoilidh  daoine  gu  bheil  iad  a'  toirt  saorsa 
d'  an  coimhearsnaich  air  an  t-Sabaid  air  ghaol 
saorsa,  'nuair  tha  iad  'g  a  dheanamh  air  ghaol 
airgid. 


'i 


Aireamh 


7 


938 


Na  Criosduidhean 

Leis  an  Urhamach  Iain  Mac  Aoidh,  M.A.,  am  Port-high 


Olinn  an  Tiomnaidh  Nuaidh  is  e  so  an 
t-ainm  air  am  beil  luchd-leannihuinn  Chriosd 
air  an  sloinneadh  air  feadh  an  t-saoghail,  agus 
tha  e  air  innseadh  aim  an  Gniomharan  nan 
Abstol  gu'n  do  ghairmeadh  Criosduidhean  de 
na  deisciobuil  air  tiis  ann  an  Antioch.  Chan 
'eil  am  facal  "  Criosduidh  "  air  a  chleachdadh 
ach  tri  uairean  anns  an  Tiomnadh  Nuadh,  ach 
cha  leig  sin  a  leas  iongantas  a  chur  oirnn,  oir 
cha  robh  an  t-ainm  ach  direach  air  a  thoirt 
dhoibh  'nuair  a  bha  sgriobhaidhean  an  Tiom- 
naidh Nuaidh  'g  an  cruinneachadh. 

Do  bhrigh  's  gur  ann  an  Antioch  a  chaidh 
an  t-ainm  so  a  thoirt  do  na  deisciobuil  an 
toiseach,  tha  sinn  a'  tuigsinn  gu  robh  obair 
mhor  air  a  cur  air  aghart  leo  anns  a'  bhaile  sin, 
agus  tha  sinn  mar  an  ceudna  a'  tuigsinn  gur 
ann  an  Antioch  a  bha  a'  cheud  choimhthional 
an  taobh  a  muigh  do  chriochaibh  ludea.  Bha 
moran  sluaigh  anns  a'  bhaile  agus  tha  sinn  a' 
leughadh  gu'n  deachaidh  Pol  agus  Barnabas  a 
chur  air  leth  kis  an  eaglais  ann  an  lerusalem 
air  son  an  obair  so  a  dhaighneachadh.  Is  e 
far-ainm  no  frith-ainm  a  bha  anns  an  fhacal 
"  Criosduidh  "  mar  a  chaidh  a  thoirt  air  na 
deisciobuil — bha  movan  sheorsa  dhaoine  ann 
an  Antioch  's  iad  air  an  ainmeachadh  air  a' 
chuspair  a  bha  iad  a  leantuinn,  agus  thugadh 
an  t-ainm  "  Criosduidhean  "  air  a'  mhuinntir 
a  bha  leantuinn  Chriosd — Buidheann  Chriosd. 
Thug  Tacitus  am  fear-eachdraidh  Romanach, 
iomradh  orra  anns  an  Roimh  anns  a'  bhliadhna 
A.D.  64.  Is  e  an  doigh  anns  an  do  dh'  ainmich 
esan  iad  "  Christiani  "  no  "  Muinntir  Chriosd." 
Ghabh  na  deisciobuil  ris  an  ainm,  agus  thainig 
e  mu  dheireadh  gu  bhi  air  a  ghabhail  leis  an 
t-saoghalj  mar  shloinneadh  na  muinntir  sin  a 
tha  creidsinn  anns  an  Tighearna  losa  Criosd 
agus  a  tha  deanamh  seirbhis  dha. 

I 

Is  e  na  Criosduidhean.  mar  sin,  iadsan  a  bha 
agus  a  tha,  air  an  ainmeachadh  air  Criosd,  do'n 
robh  Criosd  mar  Cheann  agus  mar  Righ,  agus 
a  thug  am  priomh  aite  dha  'n  am  beatha  ;  a 
chuideachd  sin  de'm  beil  Esan.  a  Rioghachd, 
a  Phearsa,  agus  a  Spiorad,  mar  na  cuspairean 
as  luachmhoire.  "  Dhuibhse,  uime  sin,  a 
chreideas,  tha  E  luachmhor."  Ciod  iad  na 
nithean  as  luachmhoire  a  tha  againn  ?  Air  a' 
cheist  sin  tha  ar  beatha  gu  leir  an  crochadh'. 
Bha  a'  chuid  mhor  de  na  deisciobuil  'n  an  daoine 


bochda,  gidheadh  rinn  iad  moran  saoibhir,  a 
chionn  's  gu'n  robh  sealbh  aca  air  tiodhlac  na 
beatha  maireannaich  agus  air  Spiorad  an 
Tighearna.  "  Co,"  arsa  an  abstol,  "  do'n  aithne 
inntinn  an  Tighearna  ?  Ach  tha  inntinn  Chriosd 
againne."  Thugadh  Criosduidhean  orra,  mar 
sin,  air  tiis,  ann  an  Antioch. 

II 

Is  e  an  dara  h-uair  tha  am  facal  "  Criosduidh  " 
air  a  chleachdadh  'nuair  a  thugadh  Pol  mu 
choinneamh  Agrippa  agus  a  thubhairt  an  righ, 
Agrippa,  ris,  "  Is  beag  nach  'eil  thu  'g  am 
aomadh  gu  bhi  am  Chriosduidh."  Tha  moran 
de'n  bheachd  gur  h-ann  a'  fochaid  a  bha 
Agrippa  nuair  a  labhair  e  mar  so,  agus  chan 
'eil  teagamh  nach  'eil  roinn  mhath  de'n  fhirinn 
anns  a'  bheachd  sin,  oir  is  e  daoine  fanoideach, 
dalma,  cruaidh,  a  bhuinneadh  do'n  linn  a  bh' 
ann  agus  is  iongantach  gun  do  chuir  Agrippa 
e  fein  cus  mu'n  cuairt  a  thaobh  nan  Crios- 
duidhean, air  an  robh  e  ag  amharc  mar  shluagh 
neonach  nach  b'  fhiach  aire  sam  bith  a  thoirt 
dhoibh.  So  againn  na  Criosduidhean  an 
aghaidh  an  t-saoghail,  an  aghaidh  naire  agus 
masladh,  an  aghaidh  cumhachdan  aimsireil 
agus  aingidheachd  ann  an  ionadaibh  arda. 
Gidheadh  's  ann  aig  a'  Chriosduidh  a  tha  a' 
bhuaidh.  Am  bi  fianih  air  na  Criosduidhean 
roimh  na  Cumhachdan  a  tha  lathair  ?  Car  son 
a  bhiodh  ?  Co  de'n  dithis,  a  bha  ri  aghaidh  a 
cheile  an  latha  ud,  a  bha  an  sas  anns  an  obair 
bu  chudthromaiche  ?  Tha  a'  cheist  sin  furasda 
a  freagairt.  Thug  eachdraidh  an  t-saoghail 
freagairt  dith  o  chionn  fada.  Dh'  fhalbh 
Agrippa  agus  a'  ghloir  a  bha  maille  ris,  ach  tha 
an  Cuspair  a  shearmonaich  Pol  fhathast  beo, 
agus  an  sgeul  a  dh'  innis  e  do  Agi-ippa  fhathast 
cho  nuadh  's  a  bha  i  an  latha  ud.  Mar  a 
thubhairt  e  fein  "  A'  bheatha  tha  mi  nis  a' 
caitheamh,  tha  mi  'ga  caitheamh  tre  chreidimh 
Mhic  Dhe  a  ghradhaich  mi  agus  a  thug  E  fein 
air  mo  shon,"  no  ann  am  briathran  Chriosd 
"  Agus  is  i  so  a'  bheatha  mhaireannach  eolas 
a  bhi  aca  ort-sa  an  t-aon  Dia  f  ior,  agus  air  losa 
Criosd  a  chuir  Thu  uait." 

Ill 

Is  e  an  treas  aite  anns  am  faigh  sinn  am  facal 
"  Criosduidh  "  far  am  beil  an  t-abstol  Peadar 
ag  radh  "  Ma  dh'  fhuilingeas  duine  mar  Chrios- 


2 


NA  CRIOSDUIDHEAN— ANNS  A'  CHATHAIR 


duidh  na  biodh  naire  air,  ach  thugadh  e  gloir 
do  Dhia  as  a  leth  so."  Thainig  geur-lean- 
mhuinn  agus  fulangas  ;  chaidh  na  deisciobuil 
a  sgapadh,  chaidh  cuid  a  chur  am  priosan  agus 
cuid  a  chur  gu  bas.  Bha  glaodh  nam  mar- 
tarach  ag  eiridh  suas  o'n  talamh.  Gidheadh 
dhiiilt  na  Criosduidhean  aoradh  a  dheananh 
do'n  Impire  an  aite  Dhe,  agus  dhiult  iad  mar 
an  ceudna  ainm  Chriosd  aicheadh.  Dhiult 
Mordecai  'na  latha  fein  cromadh  sios  fa  chomh- 
air  Haniain  ann  an  geata  an  righ,  oir  thubhairt 
e  gu'm  b'  ludhach  e,  agus  air  a'  cheart  doigh, 
dhiult  na  Criosduidhean  an  aidmheil  agus  an 
dochas  iobradh  air  altair  na  h-Impireachd. 
The  geur-leanmhinm  mhor  air  a  deanamh  an 
diugh  air  Criosduidhean  bochd  ann  an  iomadh 


cearnaidh  de'n  saoghal,  agus  tha  cuid  dhiubh 
ann  am  priosan  agus  cuid  ann  am  masladh  ; 
gidheadh  tha  an  Spiorad  togarrach,  agus  tha 
iad  a'  diiiltadh  a  bhi  ag  aicheadh  an  creidimh, 
no  a  bhi  a'  treigsinn  na  Fianuis  a  tha  iad  a' 
giiilan.  Tha  eaglais  Chriosd  an  diugh  fo 
amhghar  aig  an  tigh,  ach  gu  h-araidh  ann  an 
tirean  eile,  a  chionn  's  gu'm  beil  na  Criosd- 
uidhean a'  roghnachadh  fulangas  roimh  a  bhi 
a'  cur  cul  ri  bunaitean  an  dochais.  Gu  firinn- 
each  tha  an  t-ainm  "Criosduidhean  "  a 
thugadh  dhoibh  air  tus  ann  an  Antioch  a  leagail 
orra-san  agus  oirrne  dleasdanasan  cudthromach. 
— gu'n  gluais  sinn  airidh  air  an  ainm  sin,  agus 
nach  bi  naire  oirnn  do  bhrigh  agus  gu'm  beil 
fhios  affainn  co  ann  a  chreid  sinn. 


Anns  a'  Chathair 


DA  sheann  duine  aig  oisean  sraide  an  Diin- 
eideann  air  a'  choigeamh  la  fichead  de 
Mhaigh — 

"  Tha  am  baile  dubh  le  ministearan  an  diugh," 
ars'  a'  cheud  fhear  ;  "  ciod  a  tha  'g  an  toirt  ann 
an  drasd  ?  " 

"  So,"  ars'  am  fear  eile,  "  seachduin  an  Ard- 
Sheanaidh." 

"  Agus  ciod  a  bhios  iad  a'  deanamh  anns  an 
Ard-Sheanadh  ?  " 

"  Ma  ta,  chan  'eil  mi  fhein  cinnteach,  ach  tha 
mi  an  diiil  gu'm  bi  iad  a'  cur  uile  chiiisean  na 
h-eaglais  ceart  ;  bithidh  iad  a'  seinn  agus  ag 
iirnuigh  ;  bithidh  feadhainn  a'  liubhairt  oraid- 
ean  agus  feadhainn  eile  ag  eisdeachd  riu,  agus 
mar  sin  tha  aobhar  an  t-soisgeil  an  Albainn  air 
ath-bheothachadh  a  h-uile  bliadhna." 

"  Nach  saoilinn  gu'n  rachadh  aca  air  aobhar 
an  t-soisgeil  ath-bheothachadh  le  bhi  ag  iirnuigh 
agus  a'  teagasg  'n  an  sgireachdan  fein  ?  " 

"  O,  bithidh  iad  a'  deanamh  sin  fad  na 
bliadhna,  ach  tha  iomadh  rud  eile  a  dh'  fheumas 
iad  a  dheanamh  anns  an  Ard  Sheanadh  a 
thuilleadh  air  iirnuigh." 


Cha  robh  gin  de'n  dithis  ro  chinnteach  ciod 
a  bhios  a'  dol  air  aghaidh  aig  an  t-Seanadh,  agus 
mar  sin  dh'  fhan  iad  le  cheile  n  an  tosd,  agus 
an  druim  ri  ballachan  Na  h-Iuchraichea7i  Oir,  an 
dochas  gu'n  tigeadh  cuid-eigin  an  rathad  a  dh' 
iarradh  orra  dol  a  steach.  Ach  cha  do  thairg 
duine  dhaibh  uiread  agus  gloine  uisge-soda. 

An  ceann  greis  thubhairt  fear  dhiubh  gu 
robh  e  a'  feuchainn  ri  chuimhneachadh  c'  uin  a 
bha  e  anns  an  eaglais.  "  An  uair  a  phos  mi 
bhithinn  fhein  agus  a'  bheari  a'  dol  do  eaglais  na 
sgireachd  an  Cille-sgumain  far  an  do  rugadh 
agus  an  do  thogadh  mi,  ach  an  deidh  dhuinn 
tighinn  do  Dhun-eideann  bha  an  eaglais  ris  an 
do  cheangail  sinn  sinn  fhein  cho  mor  's  nach  b' 


aithne  dhuinn  duine  beo  innte  ach  am  ministear, 
agus  aon  fhoirbheach,  agus  am  fear  a  bhiodh  a' 
togail  mal  an  t-suidheachain  bhuainn.  Bha  an 
coimhthional  cho  mor  agus  cho  sgaoilte  's  nach 
b'  urrainn  do'n  mhinistear  dol  thairis  orra  uile  ; 
chan  fhaca  sinn  anns  an  tigh  e  ach  aon  uair 
riamh.  Theagamh  gur  ann  againn  fhein  a  bha 
a'  choire,  ach  dh'  fhas  sinn  car  coma  air  a  bhi 
dol  do'n  eaglais  ;  rachamaid  innte  air  uairean 
air  la  comanachaidh,  ach  mu  dheireadh  stad 
sinn  de  dhol  innte  air  fad,  is  tha  coig  bliadhna 
fichead  bhuaith  sin." 

"  Nach  saoilinn  gu'n  ionndrainneadh  iad  thu, 
agus  gu'n  tigeadh  duine-eigin  'g  ad  fhaicinn 
feuch  ciod  a  bha  cearr  !  " 

"  Cha  tainig  ;  chan  'eil  aon  duine  ach  beag 
am  measg  mile." 

"  Is  aithne  dhomhsa  ciobair  ann  an  Seasdul 
aig  a  bheil  mile  caora  air  a  chiiram,  ach  ma  bhios 
aon  te  air  chall,  bithidh  e  a  mach  air  a  toir  o 
nihoch  gu  dubh  gus  am  faigh  e  i,  beo  no 
marbh." 

"  Tha  e  na's  fhasa  do  chiobair  caora  chaillte 
fhaotainn  air  a'  mhonadh  na  tha  e  do  mhinistear 
duine  a  stad  de  dhol  do'n  eaglais  a  lorgachadh 
anns  a'  bhaile-mhor. " 

"  Theagamh  gu  bheil,  ach  tha  amharus  agam 
gu'm  faiceadh  tusa  am  ministear  agus  na  foir- 
bhich  agus  Cleireach  an  t-Seisein  na  bu  trice 
na'n  robh  thu  a'  toirt  dhaibh  fichead  punnd 
Sasunnach  's  a'  bhliadhna  air  son  na  h-eaglais." 

"  Faodaidh  sin  a  bhi  fior,  ach  chan  urrainn 
mise  a'  choire  a  chur  air  duine  air  bith  ach  orm 
fhein  ;  dh'  fhas  mi  coma  air  a  bhi  dol  do'n 
eaglais,  ged  nach  robh  dad  agam  'n  a  h-aghaidh, 
agus  a  nis  is  fhearr  learn  am  paipear-naidheachd 
agus  an  radio." 

***** 

Tha  suas  ri  da  mhuillean  duine  eile  an  Albainn 
an  diugh  a  dh'  fhaodadh  a  cheart  ni  a  radh  a 


ANNS  A'  CHATHAIR 


S 


thubhairt  an  duiiie  ud,  daoine  a  bha  air  am 
baisteadh  an  ainm  Chriosd,  agus  a  bha  aon  uair 
a'  feitheamh  air  meadhonan  nan  gras,  agus  'gan 
uisneachadh  chum  maith  an  anama,  ach  a  thuit 
air  f'albh  bho'n  eaglais  agusbho  chleachdaidhean 
na  diadhaidheachd.  Co  aige  a  tha  a'  choire  ? 
Tha  truime  na  coire  aca  fein,  ach  tha  coire 
cuideachd  aig  an  eaglais  ;  aig  ministearan  agus 
foirbhich  agus  hichd-comanachaidh  a  tha 
dearmadach  air  a'  chiobaireachd  gus  an  do 
ghairm  Criosd  iad  a  choimhHanadh  gu  dichioU- 
ach  ann  an  gradh. 

Uair  a  bha  ministear  bg  'ga  phosadh  ri  coimh- 
thional  araidh  ghearain  e  air  cho  beag  's  a  bha 
aige  de  dhaoine  ri  bhuachailleachd.  "  Bithdhi 
an  aireamh  mor  gu  leor,"  arsa  seana  mhinistear, 
"  an  uair  a  dh'  iarrar  art  cunntas  a  thoirt  orra  air 
la  a'  bhreitheanais."  Sin  smuain  nach  bu  choir 
do  mhinistear,  no  do  fhoirbhich,  no  do  luchd- 
teagaisg  anns  an  sgoil  Shabaid,  a  leigeil  as  an 
cuimhne  aon  mhionaid,  gu'm  feum  iad  cunntas 
a  thoirt  air  gach  caora  no  uan  a  chuir  an  t-Ard 
Bhuachaille  air  an  curam.  Agus  is  sona  dhaibh 
ma's  urrainn  iad  a  radh,  "  Dhiubh  -  san  a 
thug  thu  dhomh  cha  do  chailleadh  a  h-aon 
diubh." 

Tha  an  da  bheachd  so  gu  laidir  ann  an  inntinn 
nan  daoine  a  thuit  air  fabh  o'n  eaglais,  (1)  nach 
'eil  feum  aig  an  eaglais  orra  ach  air  son  an  airgid 
a  gheibh  i  bhuapa,  agus  (2)  nach  'eil  iad  dad 
na"s  miosa  a  thaobh  an  cor  siorruidh  a  chionn 
nach  'eil  iad  anns  an  eaglais.  Tha  an  da  bheachd 
sin  fada  fada  cearr. 

Tha  feum  aig  an  eaglais  air  airgiod  coltach 
ris  ffach  comunn  eile  anns  an  t-saoghal,  ach  air 
a  shon  sin  chan  ann  air  ghaol  an  codach  a  tha 
i  ag  iarraidh  dhaoine  ach  air  ghaol  an  tiodhlaic 
spioradail  a  dh'  earb  Dia  rithe  a  chomh- 
phairteachadh  riu.  An  uair  a  chluinnear 
ministear  air  an  t-Sabaid  ag  iarraidh  airgid  air 
son  ni-eigin,  chan  ann  'n  a  ainm  fein  no  air  son 
a  chomhf hurtachd  fein  a  tha  e  ga  iarraidh,  ach 
an  ainm  nam  braithrean  uile  agus  air  son  obair 
an  Tighearna.  Duine  air  bith  a  their  nach  eil 
iarraidh  air  na  bochdan  anns  an  eaglais,  tha  e 
a'  togail  fianuis  bhreige  'na  h-aghaidh. 

Ciod  air  bith  a  their  daoine  eile.  chan  'eil  mise 
a'  creidsinn  gu  bheil  iadsan  a  thuit  air  falbh  o 
cho-chomunn  na  h-eaglais,  le  am  mi-churam 
agus  an  dearmad  fein,  ann  an  suidheachadh 
sona  aig  uair  am  bais,  air  cho  maith  's  'ga  bheil 
an  cliii  saoghalta.  Ach  is  e  so  puing  air  nach 
bi  an  sluagh  no  ministearan  a'  labhairt  gu  saor, 
air  chor  agus  gu  bheil  a  h-uile  duine  air  f  hagail 
'n  a  sholus  fein. 

Mar  is  trice  an  diugh  cluinnear  an  aon  seir- 
bhis  agus  an  aon  iirnuigh  aig  tiodhlacadh  nam 
marbh,  co  dhiubh  a  bhuineadh  am  marbh  do'n 
eaglais  no  nach  buineadh.  Chan  e  mhain  gu 
bheil  sin  a'  cur  smuaintean  cearr  ann  an  inntinn 
dhaoine,  ach  tha  e  a'  fiaradh  firinn  Dhe. 


Tha  fhios  agam  gu  bheil  e  duilich  labhairt  air 
a'  chilis  so  idir,  a  chionn  gu  bheil  daoine  ullamh 
gu  bhi  ag  radh  nach  'eil  e  ceart  do  mhinistear 
aon  seorsa  iirnuigh  a  dheanamh  aig  uaigh  duine 
a  bha  'n  a  bhall  dileas  de'n  eaglais  agus  seorsa 
eile  iirnuigh  a  dheanamh  aig  uaigh  duine  nach 
buineadh  do'n  eaglais  ;  gu  bheil  e  mar  sin  'ga 
dheanamh  fein  'na  bhreitheamh,  oifig  nach 
buin  ach  do  Dhia. 

Cha  labhair  ministear  tiirail  air  bith  aig 
bruach  na  h-uaighe  mar  gu'm  biodh  e  a'  toirt 
breith  air  a'  mharbh,  ach  cha  mho  a  labhras 
ministear  tiirail  agus  coguiseach  mar  nach  robh 
mughadh  air  bith  eadar  na  daoine  a  lean  orra 
ag  uisneachadh  meadhonan  nan  gras  ris  a  bheil 
gealladh  Dhe  an  ceangal  agus  na  daoine  eile 
nach  d'  ath-nuadhaich  boidean  am  baistidh 
riamh  agus  a  dhealaich  iad  fein,  le  comhairle 
shuidhichte,  no  le  mi-chiiram,  o  cho-chomunn 
na  h-eaglais,  corp  Chriosd  air  thalamh.  Is 
luachmhor  ann  an  sealladh  an  Tighearna  bas 
a  naomh,  agus  is  aotrum  agus  sona  mo  chridhe 
gach  uair  a  bhitheas  mi  a'  toirt  buidheachais 
do  Dhia  air  son  an  dochais  bheannaichte  a  thug 
e  dhaibhsan  a  bhasaicheas  ann  an  Criosd,  ach 
is  e  an  dleasdanas  as  lugha  orm  de  dhleasd- 
anasan  na  ministrealachd  uile  gu  leir  iirnuigh 
a  dheanamh  aig  tiodhlacadh  os  cionn  duine  a 
bha  air  a  bhaisteadh  agus  a  thionndaidh  air 
falbh  o'n  eaglais.  A  bheil  an  duine  sin  ullaichte 
air  son  na  siorruidheachd  ? 


Their  daoine  gu'n  do  stad  iad  a  dhol  do'n 
eaglais  a  chionn  nach  'eil  aran  beatha  aig  na 
ministearan  ri  thoirt  dhaibh,  no  a  chionn  nach 
'eil  'n  an  coimhearsnaich  a  tha  dol  innte  ach 
Phairisich  as  miosa  na  iad  fhein,  no  a  chionn 
gur  fhearr  leo  an  iirnuighean  a  dheanamh  an 
uaigneas,  no  a  chionn  gu  bheil  an  eaglais  ro 
fhuar,  air  neo  ro  theth,  air  neo  ro  fhada  air 
falbh,  ach  chan  'eil  an  sin  ach  lethsgeulan  leis 
a  bheil  iad  a'  feuchainn  ri  iad  fhein  fhirean- 
achadh.  Is  e  an  f  hior  aobhar  nach  'eil  iad  a'  dol 
innte,  gu'n  do  leig  iad  leis  an  leisg  buaidh  f  haot- 
ainn  thairis  orra,  agus  nach  'eil  suim  aca  do 
Dhia  no  do  dhiadhaidheachd.  Is  e  an  leisg  as 
mathair-aobhair  do'n  chuid  mhor  de'n  mhi- 
riaghailt  agus  de'n  pheacadh  a  tha  a'  dealachadh 
dhaoine  o  Dhia,  oir  ciod  a  tha  ann  an  duine 
leasg  ach  duine  nach  'eil  a'  cumail  smachd  aii" 
inntinn,  no  air  a  chridhe,  no  air  a  thoil  fhein. 
Tha  barrachd  dhaoine  a'  tuiteam  air  falbh  o 
Dhia  agus  o  chleachdaidhean  na  beatha  dhiadh- 
aidh  leis  an  leisg  na  tha  a'  tuiteam  air  falbh  le 
drongaireachd  no  le  ruitearachd. 

Tha  daoine  eile  a'  tuiteam  air  falbh  o'n  eaglais 
a  chionn  nach  'eil  Dia  a'  toirt  dhaibh  an  toil 
fhein.  Is  e  crioch  araidh  am  beatha  a  bhi  sona 
daonnan  ;  laithean  sona  ioUagach  fhaotainn 
air  thalamh,  is  tha  iad  an  duil  gur  e  dleasdanas 


ANNS  A^  CHATHAIR— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


an  Tighearna  sin  a  thoirt  dhaibh,  agus  an  dull 
gu  bheil  coir  aca  air.  Ach  mur  toir  Dia  sin 
dhaibh,  gabhaidh  iad  saoibhneas  ris,  is  fasaidh 
iad  crosda  'n  an  nadur,  is  their  iad  riu  fhein 
nach  teid  iad  do'n  eaglais  tuilleadh.  Chan  e 
toradh  siochail  na  fireantachd  a  tha  trioblaidean 
na  beatha  ag  oibreachadh  annta  so  ach  searbh- 
adas  cridhe  agus  droch  nadur.  Tha  barrachd 
de'n  t-seorsa  dhaoine  so  anns  an  t-saoghal  na 
shaoilear  ;  daoine  truagh  agus  daoine  neo- 
shona,  ach  ged  tha  feum  aca  air  Dia,  agus  air 
a'  chnuimh  a  tha  'n  an  cridhe  a  bhi  air  a  thoirt 
as,  cha  teid  iad  do'n  eaglais.  "  Cha  deachaidh 
mise  do'n  eaglais,"  ars'  aon  dhiubh,  "  o'n  la  a 
thug  Dia  bhuam  mo  leanabh  gaolach." 


An  uair  a  thig  Mac  an  duine  am  faigh  e 
creideamh  air  an  talamh  ?  Nan  tigeadh  Mac 
an  duine  do'n  Ghaidhealtachd  an  diugh  gheibh- 
eadh  e  innte  moran  dhaoine  aig  a  bheil  creid- 
eamh ann,  agus  anns  an  t-saoghal  spioradail 
a  dh'  fhoillsich  e,  ach  gheibheadh  e  iad  sin  uile 
anns    na    h-eaglaisean.      Ach    gheibheadh    e 


moran  dhaoine  eile  aig  nach  'eil  creideamh 
no  faircachadh  spioradail  na's  mo  na  tha  aig  na 
na  clachan  marbha.  Sin  an  seorsa  a  tha  tuiteam 
air  falbh  o'n  eaglais  ;  bha  iad  a'  tuiteam  air 
falbh  bhuaipe  riamh,  ach  tha  iad  a  nis  air  fas 
na's  suarraiche  air  cleachdaidhean  dhaoine  eile  a 
leantuinn  a  chionn  gu  bheil  fasain  nan  timeann- 
an  a'  ceadachadh  dhaibh  tigh  an  Tighearn  a 
sheachnadh  gun  naire  a  bhi  on-a.  Tha  an 
clann  a  nis  ag  eirigh  suas,  agus  a'  leantuinn 
eisiomplair  am  parantan,  clann  a  tha  cho 
aineolach  air  Dia  agus  air  a'  Chreideamh 
Chriosduidh  's  a  tha  na  cinnich  anns  na  h- 
Innsibh  no  anns  an  Afric.  Tha  iad  an  diiil  gur 
e  "  Criosduidhean  "  a  tha  aijnta  fhein,  ach  chan 
'eil  barantas  air  bith  aca  air  son  a'  bheachd 
fhaoin  sin  ach  gun  abrar  "  diithaich  Chrios- 
duidh "  ri  Albainn.  Ach  tha  a'  cheart  uiread 
as-chreidmheach  agus  ana-Criosduidhean  an 
Albainn  's  a  tha  ann  de  Chriosduidhean,  agus 
is  e  ceud  dhleasdanas  eaglais  Chriosd  dol  a  mach 
air  na  sraidean  as  an  deidh,  agus  ciiram  a 
ghabhail  dhiubh  mar  tha  an  t-Ard-bhuachaille 
ag  iarraidh  oirnn. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


rpHA  bari'achd  Greigis  agam  na  bha  aig  m' 
J-  athair,  ach  bha  barrachd  eolais  aige-san  air 
an  t-sid  na  tha  agam-sa.  Sin  aon  cheum  de'n 
Eolas  anns  a  bheil  sinn  a'  dol  air  ar  n-ais  an 
diugh  ;  chan  aithne  dhuinn  comharraidhean 
na  h-aimsir  a  leughadh  mar  b'aithne  d'  ar 
n-aithrichean.  Tha  balaich  anns  na  h-Eileanan 
Siar  a  tha  cho  eolach  air  Chiang  Kai  Shekj_agus 
air  na  tha  dol  air  aghaidh  ann  an  China,  no  ann 
an  Abysinnia,  s  ged  nach  robh  iad  ach  air 
tilleadh  as  na  cearnaibh  sin  an  de,  ach  na'm 
faighnicheadh  tu  dhiubh  ciod  an  taobh  a  tha 
a'  ghaoth,  no  c'uin  a  bhios  e  muir-lan,  no  c'uin 
a  tha  a'  ghealach  ur  a'  tighinn  a  steach,  no  am 
bi  an  t-uisge  ann  roinih  fheasgar,  cha  b'  urrainn 
iad  innseadh  dhuit.  Mhill  an  Radio  agus 
goireasan  lira  eile  de'n  t-seorsa  sin  an  tiir  agus 
am  mothachadh.  Rud  neonach  da  rireadh, 
nach  biodh  fhios  aig  a'  ghineal  bg  an  Tiriodh 
no  am  Barraidh  ciod  an  taobh  a  tha  a'  ghaoth 
gus  an  cluinn  iad  e  air  an  Radio  !  Cha  robh 
aig  na  seann  daoine  ach  sealltuinn  air  a'  ghrein, 
agus  air  na  neoil,  agus  air  a'  Bheinn  Mhoir 
Mhuilich,  is  bhiodh  fhios  aca  chan  e  a  mhain 
ciod  an  taobh  a  bha  a'  ghaoth  an  diugh,  ach  ciod 
an  taobh  a  bhiodh  i  am  maireach.  Uair-eigin 
de  'n  t-saoghal  bha  na  daoine  a  cheart  cho 
beachdail  ris  na  heathaichean  a  thaobh  na  side, 
a  thaobh  ciirsa  Naduir,  agus  cuairt  nan  Raidhean, 
ach  an  diugh  tha  na  rocaisean  agus  na  coineanan 
fada  na's  eolaiche  agus  na's  tuigsiche  na  mac 
an  duine  a  thaobh  atharrachadh  nan  traithean. 


Ma  tha  an  sgoil  a'  toirt  dhuinn  aon  rud  tha  i 
a' tbift  bhu'aihh  rad  eile. 

Eolas  nan  ciobairean 

Ma  bu  mhaith  leat  seanchas  maith  a  chluinn- 
tinn  mun  t-sid.  agus  mu  chomharraidhean  nan 
speur,  chan  eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  an 
fhearr  an  cluinn  thu  sin  no  aig  Fang  chaorach 
air  la  riisgaidh,  far  am  bi  fichead  ciobair  cruinn, 
agus  a  chliu  fhein  aig  a  h-uile  fear  dhiubh  ri 
chumail  suas  mar  dhuine  d'  an  aithne  comharr- 
aidhean nan  speur  a  leughadh.  Anns  an 
leabhar  a  sgriobh  mo  sheana  charaid  caomh, 
an  t-OUamh  Tomas  Sinton  nach  maireann,  tha 
e  ag  innseadh  mar  bhiodh  na  cipbairean  a' 
crathadh  an  cinn  air  la  an  lomaidh  an  Obar- 
Ardair,  am  baile-fearainn  a  bha  aig  athair,  nan 
tigeadh  boinne^an  uisge  orra  roimh  mheadhon- 
la.  "  Chuireadh  so  gach  duine  aig  an  robh  sgil 
air  an  t-sid  gu  bruidhinn,  is  bheireadh  iad  a  nis 
am  follais  gii  robh  eagal  orra  o  thoiseach  nach 
cumadh  an  la  suas,  ged  nach  d'thubhairt  iad 
diog  mu'n  amharus  sin  gus  an  tainig  an  fhras 
bheag.  An  sin  thogadh  Coinneach  Odhar  air 
chor-eigin  a  ghuth,  is  theireadh  e  ris  a'  chuid- 
eachd  uile,  "  Am  faca  sibh  a'  ghealach  oidhche 
Di-ardaoin  ?  "  Mur  robh  duine  ann  a  theireadh 
gu'm  faca.  theireadh  Coinneach  Odhar,  ann  an 
guth  cho  soluimte  's  ged  b'e  la  a'  bhreitheanais 
a  bha  ann,  "  U.  chan  fhaca,  ach  chunnaic  mise  i.' 
Chuire;adh  an  aon  fhacal  sin  Coinneach  Odhar 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


'h  a  shuidhe  gu  brkth  tuilleadh  am  measg 
OUamhan  na  Side,  co  dhiu  a  chumadh  an  la  suas 
no  nach  cumadh. 

Toiseach  bruidhne 

Tha  cuid  de  dhaoine  air  a  bheil  malaidhean 
cho  ard  's  gu'm  bi  iad  a.'  nnagadh  ort  ma  mholas 
tu  an  la  dhaibh,  no  ma  bhruidhneas  tu  air  an 
t-sid  'n  an  lathair.  Seachnadh  an  seorsa  sin 
an  duilleag  so.  Is  toigh  leamsa  a  bhi  bruidhinn 
air  an  t-sid,  agus  is  toigh  leam  daoine  a  bhi  ag 
innseadh  dhomh  gu  bheil  an  latha  maith,  ged 
tha  fhios  agam  air  sin  cheana.  An  uair  a 
thachras  daoine  air  a  cheile  feumaidh  iad 
seanchas  a  dheanamh  air  rud-eigin,  is  theagaisg 
fiosrachadh  nan  linntean  dhaibh  nach  'eil  rud 
eile  ann  as  freagarraiche  dhaibh  toiseachadh 
leis  na'n  t-sid,  a  chionn  gur  e  sin  cuspair  anns 
a  bheil  iiigh  aig  a  h-uile  duine. 

Na'n  toisicheadh  coigreach  air  bruidhinn  riut 
ann  an  larach  nam  bonn  air  an  loinidh,  agus  mar 
bha  e  air  a  phianadh  leatha  'n  a  chruachan, 
dh'  fhasadh  tu  sgith  dheth  ann  an  iiine  ghoirid, 
a  chionn  nach  'eil  an  loinidh  ort  fhein  ;  b'  fhearr 
leat  fada  cian  gu'm  fanadh  e  samhach,  agus 
gu'n  tugadh  e  cothrom  dhuit  innseadh  dha  mu 
na  meilcheartan  a  bha  'n  ad  chasan  an  uiridh. 
Ach  is  coma  leis-san  do  mheilcheartan-sa,  a 
chionn  nach  robh  iad  air  fhein  riamh. 

Na'n  toisicheadh  e  air  bruidhinn  riut  m'a 
mhnaoi  theagamh  nach  deanadh  sin  ach  do 
sgitheachadh  na  bu  luaithe  air  fad,  a^n  dara  cuid, 
a  chionn  nach  'eil  bean  agad  fhein,  no  a  chionn 
gu'm  b'  fhearr  leat  nach  robh.  Mar  sin  tha 
e  glic  do  dhaoine,  an  uair  a  thachras  iad,  an 
siubhal  a  leigeil  le  am  mnathan,  agus  an  clann, 
agus  an  eucailean-cuirp,  agus  an  curaman 
saoghalta,  mar  chuspairean-seanchais,  agus 
leantuinn  air  bruidhinn  mu  'n  t-sid  gus  an 
amais  iad  air  rud-eigin  eile  a  thairngeas  ri 
cheile  iad. 

Cailleach  na  Greigis 

Bha  oileanach  6g  a  aon  de  na  h-Eileanan  Siar 
ann  an  Oil-thigh  Dhiin-eideann,  a  bha  cho  ard 
ann  an  class  na  Greigis  's  gu  n  d'  fhuair  e 
cuireadh  o'n  Phrofessor-^u  dinneir.  Cha  robh 
air  an  iarraidh  ach  seisear.  Air  oidhche  na 
dinnearach  bha  am  bord  agus  a'  chuideachd 
cho  riomhach,  agus  uiread  ghloineachan  agus 
sgeanan  agus  shoithichean  air  a'  bhord  's  gu'm 
b'  fhearr  leis  gu  robh  e  aig  deireadh  a'  chlass 
seach  aig  a'  cheann  eile.  Chuireadh  'na  shuidhe 
e  aig  a'  bhord  laimh  ri  boirionnach  ard  caol  a 
bha  cho  scan  ri  sheanmhair.  Shuidh  i  air  a 
cathair  cho  direach  anns  an  druim  ri  slat  gunna, 
gun  aon  fhacal  a  radh  ris,  no  uiread  agus 
sealltuinn  air.  An  ceann  greis  bha  an  fheadh- 
ainn  eile  a  bha  aig  a'  bhord  a'  seanchas  cho 
laidir  's  gu'n  d'  thubhairt  an  t-oileanach  Gaidh- 


ealach  ris  fein  gu'm  feumadh  e  rud-eigin  a 
radh  ris  an  te  a  bha  ri  thaobh.  Ach  cha  robh 
fhios  aige  air  an  t-saoghal  ciamar  a  thoisicheadh 
e,  oir  cha  robh  dad  sonruichte  a  bha  e  air  son 
a  radh  rithe.  Bha  fhios  aige  nach  biodh  e 
modhail  dha  fhaighneachd  dhi  ciod  an  aois  a 
bha  i,  no  an  robh  i  posda,  no  ciod  a  rinn  a 
druim  cho  direach,  no  an  robh  am  biadh  a' 
cordadh  rithe,  agus  mar  sin  thuirt  e  rithe, 
Tha  sid  mhaith  againn  an  drasd.  Ach  cha  do 
leig  i  oirre  gu'n  cual  i  e. 

Bha  iad  le  cheile  samhach  greis  mhaith  eile, 
agus  an  sin  d'  fheuch  e  air  a  ris,  "  Bha  an  la," 
ars'  esan,  "  gu  maith  blath  an  de.  Ach  cha  do 
leig  i  oirre  gu'n  cual  i  e.  Tri  no  ceithir  a  dh' 
uairean  fad  na  dinnearach  dh'  fhaisg  e  briathran 
eile  mu'n  t-sid  a  mach  as  a  bheul,  ach  cha  do 
leig  an  te  ard  chaol  oirre  gu'n  cual  i  e.  Agus 
cha  mho  a  chuala,  oir  aig  deireadh  na  dinn- 
earach thog  i  trompaid  a  bha  an  slaodadh 
rithe,  chuir  i  ri  cluais  i,  is  thubhairt  i  ann  an 
guth  cruaidh  ard  a  chuala  na  bha  aig  a'  bhord, 
"  Tha  mise  cho  gaolach  air  Homer  's  nach  bu 
mhaith  leam  aon  fhacal  de  na  thu  ag  radh  uime 
a  chall."  Sin  mar  thug  na  h-oileanaich  eile 
Homer  air  an  companach  Gaidhealach,  is  bha 
e  'na  fhacal  aca  fad  bhliadhnachan,  "  balach  na 
side  agus  cailleach  na  Greigis." 

Daoine  sgitheil 

An  uair  a  their  duine  riut  gu  bheil  an  la  fuar 
no  blath,  no  gu  bheil  an  t-earrach  so,  no  an 
samhradh  so,  na's  blaithe  na  earrach  no  samh- 
radh  eile  as  cuimhneach  leis  riamh,  ma's  duine- 
uasal  thu,  leigidh  tu  am  facal  seachad,  gun 
feuchainn  ris  an  duine  a  chur  ceart,  eadhon  ged 
tha  fhios  agad  gu  robh  earrach  na  bliadhna 
1852  fada  na  bu  bhlaithe.  Chan  'eil  anns  an 
fhacal  ach  facal  fhein,  facal  nach  ruigear  a  leas 
a  ghabhail  gu  litireil,  no  a  chur  air  a'  mheidh, 
a  chionn  nach  'eil  ann  ach  cuireadh,  taobh  air 
thaobh,  gu  seanchas  a  dheanamh  mu  nithean 
eile. 

Chan  'eil  duine  air  an  t-saoghal  as  sgitheile 
a  bhi  'ga  eisdeachd  na  duine  aig  a  bheil  cuimhne 
mhaith  agus  inntinn  mhaol  litireil,  an  seorsa 
duine  aig  a  bheil  fhios  cia  meud  aitheamh  a  tha 
anns  a'  chuan  seachd  mile  siar  air  na  h-Eileanan 
Flannach,  no  cia  meud  car  a  chuireas  roth 
cartach  dhi  ann  an  se  mile,  no  cia  meud  earball 
radain  a  ceann  a  cheile  a  ruigeadh  eadar  Port- 
righ  agus  Diin-bheagain.  Na'n  abradh  tu  ri 
duine  de  "n  t-seorsa  so  gu  robh  Maigh  ana- 
barrach  fuar  agus  tioram  agus  greannach  am 
bhadhna,  chuireadh  e  a'  ghlas-ghuib  ort  ann  am 
mionaid,  is  dh'  innseadh  e  dhuit  gu  robh  Maigh 
1935  fada  na  b'  fhuaire  ;  gu  robh  an  reodhadh 
na  bu  chruaidhe  air  an  t-seachdamh  la  deug  de 
Mhaigh  1935  na  bha  e  riamh  anns  a'  mhios  sin 
bho  thoisich  iad  air  cunntasan  a  chumail  ann 
an  Greenwich,  an  1841.     Ciod  a  ni  thu  ri  duine 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


de  'n  t-seorsa  so  ach  teicheadh  bhuaith  agus 
dol  am  foluch  ?  Ach  gheibh  e  greim  air  duine- 
eigin  eile  air  an  taoni  e  an  t-eolas  ,agus  am 
fiosrachadh  a  tha  ann  an  stor  a  chuimhne.  Tha 
an  t-eolas  agus  am  fiosrachadh  agus  na  figearan 
a  tha  aige  daonnan  ceart  agus  fior,  cho  ceart 
agus  nach  ruig  thu  a  leas  teagamh  a  chur  'na 
fhacal,  ach  air  a  shon  sin  chan  'eil  ann  fein  ach 
an  t-amhlair.  Mharbh  na  tha  aige  dh'  eolas 
solus  'eanchainn. 

Na  sean-fhacail 

Tha  cuid  de  na  sean-fhacail  a  tha  againn  an 
Gaidhlig  mu'n  t-sid  cho  sean  ris  na  creagan  ; 
gheibhear  iad  anns  a'  Bhiobull,  agus  sgriobhta 
air  clair-chreadha  ann  am  Babilon  ceithir  mile 
bliadhna  m'  an  tainig  Criosd  don  t-saoghal. 
Gheibhear  iad  ann  an  sgriobhaidhean  Aristotle  ; 
ann  an  leabhar  a  sgriobh  fear  de  sgoilearan 
Aristotle  gheibhear  ceithir  fichead  comharradh 
air  droch  shid.  "  Chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein. 
Anns  a'  bhruidhinn  a  bhios  againn  air  an  atharr- 
achadh  mhuladach  a  tha  tighinn  air  an  t- 
saoghal  o  bha  sinn  fhein  og,  agus  mar  tha  a' 
ghineal  iir  gun  choguis,  gun  sgoinn,  gun  steidh- 
ealachd,  chan  'eil  sinnag  radh  dad  nach  robh 
air  a  radh  cheana,  o  chionn  nam  miltean 
bliadhna.  Ann  am  Museum  ann  an  Con- 
stantinople tha  crioman  de  phapyrus  air  a  bheil 
so  air  a  sgriobhadh,  papja-us  cho  sean  's  a  tha 
air  an  t-saoghal,  "  Mo  tkruaighe,  chan  'eil  clann 
an  diugh  mar  bha  iad." 

Cha  nihor  de  sheann  daojfte  nach  'eil  a' 
creidsinn  gu  robh  barrachd  fuachd  is  sneachd 
is  reodhaidh  anns  na  geamhraidhean  'n  uair 
bha  iad  og  na  tha  annta  an  diugh,  agus  gu  robh 
na  samhraidhean  na  bu  bhlaithe.  Cha  mhor 
de  sheann  daoine  nach  'eil  a'  creidsinn  cuideachd 
gu  bheil  buaidh  aig  a'  ghealaich  air  an  t-sid. 
Ach  tha  na  daoine  sgileil  ann  an  Greenwich  a 
tha  cumail  cunntais  air  gach  car  no  atharrachadh 
air  an  t-sid  ag  radh  gu  bheil  an  da  bheachd  sin 
cearr.  Tha  iad  ag  radh  cuideachd  gur  ann  as 
an  iar-thuath  a  tha  a'  ghaoth  as  fuaire  a' 
tighinn.  Tha  de  mheas  agam-sa  air  luchd-sgil 
's  nach  bu  mhaith  learn  cur  'n  an  aghaidh,  ach 
na'n  creidinn  mo  phoran  agus  m'  fhaireachduin 
fein  theirinn  gur  e  a'  ghaoth  'n  ear  agus  an  ear- 
thuath  na  gaoithean  as  bioraiche.  Theid  iad 
ann  ad  smior-cailleach  mar  gu'm  biodh  gimleid. 
Ach  theagamh  gur  ann  le  m'  inntinn  agus  nach 
ann  idir  le  m'  bhodhig  a  bhios  mi  a'  tomhas 
nimh  na  gaoithe,  oir  cha  toigh  leam  a'  ghaoth 
'n  ear.  Ach  mar  is  sine  a  tha  duine  a'  fas  is 
ann  as  diorrasaiche  a  tha  a'  ghaoth  'n  ear  'ga 
leantuinn. 

Clann  na  coille 

A  dh'  aindeoin  gu'n  cluinn  sinn  o'n  Radio 
a  nochd  ciod  an  seorsa  la  a  bhios  ann  am 


maireach  tha  fios  na's  fhearr  aig  na  caoraich, 
agus  na  feidh,  agus  na  h-eoin,  agus  na  beis- 
teagan,  air  atharrachadh  na  side  na  tha  againne. 
Tha  iad  an  urra  ris  an  t-sid  na's  mo  na  tha  sinne, 
is  tha  e  coltach  gu'n  do  chuir  Dia  'n  an  aoraibh 
rud-eigin  a  tha  toirt  dhaibh  rabhaidh  ma  tha 
droch  shid  a'  tighinn,  a  chuireadh  ann  an  cunn- 
art  iad. 

Am  measg  nan  craobh  chan  'eil  gin  idir  a 
tha  cho  ciiramach  uimpe  fein  ris  an  uinnsean. 
Ma  tha  a'  bhliadhna  trath  agus  a'  ghrian  blath 
cuiridh  na  craobhan  eile  a  mach  an  duilleach 
gun  eagal  reodhaidh  no  droch  shid,  ach  gle 
thric  loisgidh  iad  an  corragan,  ma  dh'  fhaodas 
mi  am  facal  a  radh,  is  chi  thu  na  duilleagan  aca 
ruadh-dhearg  is  seargta  le  reodhadh  Mhaigh. 
Ach  cha  dean  an  t-uinnsean  sin  ;  is  ann  de 
sheann  stoc  chraobhan  na  h-Alba  i,  aig  a  bheil 
cuimhne  fhada  air  an  t-sid,  is  fanaidh  i  gun 
tighinn  a  mach  gu  lune. 

Gloir  nan  speur 

Feasgar  an  raoir  agus  nai  a'  tighinn  dhachaidh 
an  dol  fodha  na  greine  chunnaic  mi  daithean 
anns  an  speur,  agus  cumadh  air  na  neoil,  a  thug 
orm  leum  bharr  nan  cuibhlichean  agus  seasamh 
ri  taobh  an  rathaid,  a'  beachdachadh  air  maise 
agus  ionghnadh  an  t-seallaidh  a  bha  ri  fhaicinn 
anns  an  iarmailt.  Bha  dath  a.gus  cumadh  nan 
neul  ag  atharrachadh  a  h-uile  mionaid,  o  ghloir 
gu  gloir,  gus  mu  dheireadh  an  robh  an  aird  an 
iar  uile  mar  gu'm  biodh  fairge  oir  le  eileanan 
gorma  agus  uaine  a  snamh  air  a  broilleach.  Dh' 
fheuch  mi  ri  ainmean  Gaidhlig  fhaotainn  do  na 
daithean  maiseach  ud  a  thug  uiread  tlachd  do 
m'  shiiil,  ach  dh'  fhairtlich  e  orm  facail  fhaot- 
ainn, is  thuirt  mi  rium  fhein  nach  'eil  a' 
Ghaidhlig  ach  bochd  ann  an  ainmean  dhaithean. 
Ach  an  ath  mhionaid  thainig  na  facail  so  a 
Birlinn  Chlann  Raghnaill  n  am  inntinn,  agus 
an  sin  thuirt  mi  rium  fhein  nach  ann  anns  a' 
chanain  a  bha  an  fhailing  idir  ach  annam  fein 
do  nach  aithne  a  laimhseachadh  le  neart  no 
grinneas. 

Grian  a'  faoisgneadh  gu  h-or-bhuidh' 

As  a  mogull, 

Chinn  an  speur  gu  diibhaidh  doite 

Lan  a  dh'  ogludid, 

Dh'  fhas  i  tonn-ghorm,  tiugh,  tarr-lachdunn 

Odhar,  iargalt; 

Chinn  gach  dath  bhiodh  ann  am  breacan 

Air  an  iarmailt. 

Mar  th^ir  iad  ann  an  Eilean  nan  Gamhna 
nach  b'e  Mac  Mhaighstir  Alasdair  fhein  am 
hoy  ! 


AtG  AN  UINNEIG 


Aig  an  Uinneig 


BHIODH  e  duilich  a  radh  co  bhuaith  a  fhuair 
Laban  Mac  Coinnich  na  buadhan  inntinn 
affus  a  ffhne  nadurra  a  rinn  fhortan  dha  ami  an 
Glaschu,  ach  co  dhiu  cha  b'  ann  bho  athair.  B' 
aithne  dhonih  athair  gu  maith — duine  laghach, 
deanadach,  gun  mhoran  ann,  a  chiiir  seachad  a 
bheatha  uile  'n  a  threabhaiche  aig  a'  Choirneal. 
Tha  buadhan-inntinn  dhaoine  coltach  ris  a' 
ghaoith  no  ris  a'  ghaol  ;  chan  urrainn  dhuit  a 
radh  ciamar  no  cia  as  a  thainig  iad.  Cha  robh 
^  de  choslas  athar  air  Laban  ach  gun  robh  an  aon 
ainm  orra.  Bha  athair  maith  air  obair  le  a 
lamhan,  is  bhiodh  e  a'  boihch  gu  robh  a  ghaird- 
eanan  cho  fada  's  gu'm  fuasgladh  e  gartan  fo 
p-hliiin  'na  sheasamh  ffun  chromadh.  Cha  robh 
gairdeanan  Labain  ach  goirid,  ach  nia  bha  a 
ffhairdeanan  ffoirid,  bha  e  fada  's  a  cheann. 

A  cheart  cho  luath  's  a  dh'  fhag  e  sgoil  Bhaile- 
chloichridh  thubhairt  e  ris  f hein  gu  robh  Adholl 
ro  chumhann  do  dhuine  air  bith  a  bha  air  son 
faotainn  air  aghaidh  anns  an  t-saoghal,  agus  an 
sin  thubhairt  e  ri  athair  gu  robh  e  a'  falbh  do 
Ghlaschu. 

Gu  de   a  tha   thu  a'  dol  a   dheanamh  an 
Glaschu  ?  "  ars'  athair  ris. 

"  Gu  de  ach  a  dheanamh  m'  fhortain,"  arsa 
Laban,  "  le  mo  thapachd  fhein  agus  le  comh- 
nadh  an  Naoimh  Mungo." 

"  Agus  ciamar  a  tha  thu  an  diiil  a  ni  thu  e  ?  " 
fhreagair  athair.  ^ 

"  Chan  urrainn  mi  sin  innseadh  dhuibh 
fhathast,  ach  leugh  mi  ann  an  leabhraichean 
na  sgoile  gu  bheil  1.125.865  de  shluagh  an 
Glaschu,  agus  a  thaobh  's  nach  'eil  anns  an  dara 
leth  dhiubh  sin  ach  amadain  shaoilinn  nach 
bitheadh  e  duilich  do  dhuine  gleusda  a  t-ha  fada 
anns  a'  cheann  beo-shlaint  mhaith  fhaotainn  n 
am  naeasg.  / 

Thuit  aodann  athar,  ach  dh'  fhas  Laban  teth 
agus  sunndach  le  neart  a  dhochais  agus  le 
bhriathran  fhein.  "  Corr  agus  muillean  duine,  " 
ars'  esan,  "  agus  an  cridheachan  an  geall  air 
biadh  agus  air  deoch  agus  air  slainte  cuirp  ;  air 
aighear  saoghalta  agus  air  comhfhurtachd  na 
feola  ;  muillean  duine  air  a  bheil  loinidh,  no 
corns,  no  asthma  ;  air  a  bheil  eagal  gu  bheil 
iad  a'  fas  ro  reamhar,  no  eagal  gu  bheil  iad  a' 
fas  ro  chaol  ;  air  a  bheil  eagal  gu'n  tig  sgall 
orra,  no  cancer,  no  diabetes  ;  daoine  a  dh' 
fheumas  dibhearsoin  fhaotainn  an  uair  a  thig 
leann-dubh  orra,  agus  a  tha  a'  creidsinn  na 
leughas  iad  anns  a'  phaipear-naidheachd  ged 
nach  'eil  iad  a'  creidsinn  na  leughas  iad  anns  a' 
BhiobuU,^ — tha  mise  ag  radh  ribh,  athair,  gur 
e  ubhal  oir  a  tha  ann  am  baile  Ghlaschu,  agus 
le  mo  thapachd  fhein  agus  le  comhnadh  an 
Naoimh  Mungo,  tha  mi  a'  dol  a  thoirt  greim 
aisde.     Car  son  a  leiginn  le  marsantan,  agus 


luchd-lagha  ;  le  meirlich,  agus  baigeararf,  agus 
bancairean,  caoraich  mhaola  Ghlaschu  a 
lomadh  ?  " 


Is  ann  mar  sin  a  bha  ;  gun  uiread  agus  leth- 
chrini  aige  'n  a  phoca  an  uair  a  chaidh  e  do 
Glaschu,  agus  gun  dad  aige  ach  a  bhathais 
chruaidh  fhein,  agus  an  earbsa  laidir  a  bha  aige 
anns  an  Naomh  Mungo,  bha  Laban  Mac 
Coinnich  'n  a  dhuine  beartach  ann  am  beagan 
bhliadhnachan,  agus  a'  sior  dhol  na  bu  bheart- 
aiche  mar  b'  airde  a  bha  a  bhathais  a'  fas, 
agus  mar  bu  laidire  a  chreideamh  anns  an 
Naomh  Mungo.  Bha  tigh  aige  ann  am  Pollok- 
shields,  agus  bean  cho  riomhach  's  gu  robh 
seorsa  de  fhiamh  air  roimhpe  a  dh'  aindeoin 
na  stailinn  chruaidh  a  bha  air  a  bhathais. 

Rinn  e  fhortan  air  pileachan.  Thoisich  ,e  le 
pile  air  an  robh  e  a'  dol  an  urras  gu'n  cumadh 
e  daoine  aiff  a'  chudthrom  cheart,  eun  churam 
air  bith  a  bhi  orra  ciod  a  dh'  itheadh  iad,  agus 
a  thaobh  's  gu  bheil  a'  chuid  mhor  de  mhar- 
santan  Ghlaschu  ag  itheadh  tuilleadh  's  a  choir 
bha  iarraidh  mhor  air  a'  phile  ud. 

Cha  robh  car  ann  an  ruidhle  na  marsantachd 
nach  b'  aithne  dha  ;  bha  deich  cleirich  aige  a 
dh'  aon  ghnothuch  air  son  cliii  nam  pileachan 
a  mholadh  anns  na  paipearan-naidheachd  ;  air 
ballachan  anns  a'  bhaile-mhor  ;  air  craobhan 
aig  crois  an  rathaid  air  an  diithaich  ;  agus  1^ 
litrichean  teine  anns  an  adhar  os  cionn  nan 
tighean-cluiche  anns  an  oidhche. 

Cha  b'  e  bit^h  a  theireadh  e  ris  an  aite  anns 
an  robh  e  a'  reic  nam  pileachan  ach  Eviporium 
na  Slamfe  ;  bha  Kmporium  na  Slainte  air  a 
sgriobhadh  os  cionn  an  doruis  ann  an  litrichean 
oir  ;  is  bha  an  t-aite  anns  an  robh  am  biith  cho 
comharraichte  air  sraid-mheadhoin  a'  bhaile, 
agus  cho  ion-mhiannaichte  le  luchd-reic,  's 
gu'n  robh  e  a'  paidheadh  mile  punnd  Sasunnach 
de  mhal  air.  Air  beulaibh  an  doruis  bha  bocsa 
mor  aige,  agus  clar-uachdar  gloine  air,  anns 
an  robh  nathraichean  'gatt  sniomh  fhein  ; 
nathraichean  a  thainig  as  an  duthaich  as  an 
robh  Laban  Mac  Coinnich  (ma  b'  fhior  na 
bhiodh  na  deich  cleirich  a'  sgriobhadh  anns  na 
paipearan-naidheachd)  a'  tarruingnan  stuthann- 
an  air  an  robh  na  pileachan  air  an  deanamh. 
Cha  robh  duine  a  rachadh  suas  an  t-sraid  nach 
stadadh  greis  a  she^lltainn  air  na  nathraichean 
a  thainig  a  Somaliland,  agus  Guatemala,  agus 
Lokinga,  agus  Tumango,  na  h-aon  aitean  air 
an  t-saoghal  anns  an  gabhadh  an  stuth  luach- 
mhor  a  bha  Laban  a'  cur  anns  na  pileachan 
faotainn.  Agus  cha  robh  duine  a  shealladh 
air  na  nathraichean  nach  smuainicheadh  air  na 
pileachan,  agus  cho  luath  's  a  smuainicheadh 


§ 


AIG  AN  UINNEld 


iad   orra   thigeadh    e    'n   an   inntinn   gu'm   b' 
fheairrd  iad  fhein  bocsa  dhiubh. 

Cha  b'  e  ainm  Beurla,  no  ainm  a  thuigeadh 
muinntir  Ghlaschu,  a  thug  Laban  air  na  pil- 
eachan,  ach  ainmean  Greugach  agus  ainmean 
Etiopach,  agus  gun  urrainn  no  dearbhadh  air 
bith  ach  na  bha  na  cleirich  a'  sgriobhadh  umpa, 
bha  muinntir  Ghlaschu  a'  creidsinn  gur  ann  o 
shagartan  Coptach  a  bha  air  an  geur-leanmhuinn 
anns  an  Eiphit,  agus  a  theich  gu  mainistir  air 
Beinn  Athos  anns  a'  Ghreig,  a  fhuair  Laban 
Mac  Coinnich  an  t-eolas-diomhair  a  bha  aige 
air  an  doigh  anns  am  bu  choir  na  stuthannan 
a  bha  e  a'  cur  ann  an  aon  seorsa  pile  a  bhi  air 
am  measgadh,  agus  gur  ann  o  mhissionaraidh 
(nach  robh  a  nis  beo)  a  bha  ann  an  Tibet  a 
fhuair  e  an  t-eolas-diomhair  leis  an  do  rinn  e 
pile  eile  a  leighseadh  corns  agus  diabetes. 

Bha  iarraidh  cho  mor  air  na  pileachan  chan 
ann  a  mhain  ann  an  Glaschu  ach  air  feadh  an 
t-saoghail  uile  's  gu  robh  factory  aig  Laban 
eadar  Sruidhla  agus  an  Eaglais  Bhreac  anns 
an  robh  suas  ri  da  cheud  duine  ag  obair,  a 
thuilleadh  air  cleirich  agus  boirionnaich  a  bha 
a'  deasachadh  nam  bocsaichean  air  son  a' 
mhargaidh.  Cha  robh  posta  anns  na  h-eileanan 
Siar,  o'n  Bhuta  Leodhasach  gu  Ceann  Bharr- 
aidh,  nach  robh  cho  eolach  air  a'  bhocsa  bheag 
anns  am  biodh  Laban  a'  cur  a  mach  nam  pil- 
eachan ''s  a  bha  e  air  "  Tim  an  Obain,"  no  air 
"  Gazette  Steornabhagh,"  is  bhiodh  mo  sheana 
charaid  Calum  Posta  ag  radh  gu  bheil  uiread 
dhaoine  anns  a'  Ghaidhealtachd  ris  na  pileachan 
's  a  tha  ris  a'  phiob. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  cha  robh  car  ann 
an  ruidhle  na  marsantachd  nach  b'  aithne  do 
Laban  Mac  Coinnich  ;  shniomhadh  e  gach 
neonachas  agus  diomhaireachd  air  am  b' 
urrainn  e  smuaineachadh  mu  na  pileachan  ; 
bha  cuid  dhiubh  air  am  pasgadh  ann  am  paipear 
gorm  ann  am  bocsa  dearg  ;  feadhainn  eile  ann 
am  paipear  dearg  ann  am  bocsa  uaine  ;  bha 
na  caileagan  a  bha  a'  reic  aig  aon  chuntar  air 
an  sgeadachadh  ann  an  eideadh  nan  Etiopach, 
agus  bha  na  na  caileagan  a  bha  a'  reic  aig 
cuntar  eile  air  an  sgeadachadh  ann  an  eideadh 
Greugach.  A  cheart  cho  luath  's  a  dh'  innseadh 
luchd-reic  nam  pileachan  dha  nach  robh 
iarraidh  cho  mor  air  pile  sonruichte  's  a  b' 
abhaist  a  bhi  air,  dh'  atharraicheadh  e  ainm  a' 
phile  agus  dath  a'  bhocsa  agus  eideadh  na 
caileig  a  bha  'ga  reic,  is  sgriobhadh  na  deich 
cleirich  ann  an  ceud  paipear-naidheachd,  agus 
leughadh  muinntir  Ghlaschu  air  ballachan  a' 
bhaile,  gu'n  d'  fhuair  Laban  Mac  Coinnich  eolas- 
diomhair  o  bhoirionnach  dubh  ann  an  Uganda 
(a  bha  ceud  gu  leth  bliadhna  a  dh'  aois)  mu 
luibh  nach  robh  a'  fas  ann  an  aite  air  an  t- 
saoghal  ach  air  slios  beinne  ann  an  Uganda, 
luibh  anns  an  robh  iocshlaint  air  son  na  loinidh. 
Sjn  mar  bha  e  a'  tachairt  gu  robh  muinntir  an 


Eilein  Sgitheanaich  a'  gabhail  air  son  M 
loinidh  anns  an  t-samhradh,  fo  ainm  iir,  am 
pile  a  bha  muinntir  Uidhist  a'  gabhail  air  Son 
losgadh-braghad  anns  an  earrach. 

Ach  ged  bhiodh  na  cleirich  ag  innseadh  anns 
na  paipearan-naidheachd  gur  ann  a  Somaliland, 
agus  a  Uganda,  agus  a  Guatemala,  a  bha  na 
stuthanna  luachmhor  a  bha  anns  na  pileachan 
a'  tighinn  bha  a'  chuid  mhor  de'n  stuth  a  bha 
Laban  a'  cur  annta  air  a  thoirt  as  a'  Ghaidhealt- 
achd, rainneach  agus  feanntag  a  bha  a'  fas  anns 
na  croitean  aig  feadhainn  de  na  bhiodh  a' 
ceannach  nam  pileachan.  A  h-uile  samhradh 
bha  Laban  a'  cur  a  mach  bhuanaichean  do'n 
Ghaidhealtachd,  a  ghearradh  rainnich  is  f  heann- 
tag,  nach  gearradh  muinntir  na  Gaidhealtachd 
fhein  le  cion  na  sgoinne,  agus  a'  goil  an  rainnich 
agus  na  feanntaig  sin  ann  an  coireachan  mora 
ann  an  Sruidhla,  agus  a'  deanamh  phileachan 
dhiubh. 

Sin  mar  thugadh  an  t-ainm  air,  ged  nach  robh 
e  coig  bliadhna  deug  ar  fhichead,  Bodach  nam 
pileachan. 


Bha  Laban,  mar  thubhairt  mi  cheana,  'n  a 
dhuine  mor  an  Glaschu  ;  bha  tigh  briagh  aige 
ann  am  PoUokshields,  bean  riomhach,  agus 
yacht  bheag  anns  am  biodh  e  a'  seoladh  anns 
na  Caoil  air  Cluaidh,  agus  mu  chladach  Arainn 
anns  an  t-samhradh.  Bha  mu  thuaiream  £4600 
de  thighinn-a-stigh  aige  anns  a'  bhliadhna,  ach 
bha  rud  eile  aige  a  b'  fhearr  leis  na  tigh,  no 
bean,  no  yacht,  no  airgiod,  caileag  bhoidheach 
mu  naoi  bliadhna  a  dh'  aois,  a  bha  dha  mar 
anail  a  bheatha  fein.  Bha  gaol  aige  oirre  nach 
robh  aige  air  ni  no  neach  eile  fo'n  ghrein,  agus 
bhiodh  fadachd  air  gus  am  faigheadh  e  air  falbh 
a  Sruidhla  no  a  Emporium  na  Slainte  anns  an 
fheasgar,  agus  an  rachadh  e  dhachaidh  gu 
Mairi  bheag,  oir  bha  a  chridhe  an  ceangal  rithe. 

An  sin  dh'  fhas  Mkiri  tinn  ;  an  toiseach  cha 
robh  fhios  aig  na  dotairean  ciod  a  bha  cearr 
oirre,  ach  an  uair  a  thugadh  Professor  'g  a 
h-ionnsuidh,  thubhairt  esan  gu  robh  loinidh 
'na  h-uilt  agus  anns  a'  chridhe  aice,  agus  a 
thuilleadh  air  sin,  gu  robh  diabetes  'na  h- 
aoraibh  cuideachd.  Rinn  na  dotairean  na  b' 
urrainn  dhaibh  air  a  son  ach  cha  deachaidh 
aca  air  a'  bhas  a  chumail  o  Mhairi,  agus  cha 
mho  a  thug  iad  dhi  aon  de  phileachan  a  h-athar. 
Agus  rud  bu  neonaiche  air  fad,  cha  tkimg  e  ann 
an  inntinn  Labain  fhein  dad  a  thoirt  dhi  de  na 
stuthanna  miorbhuileach  a  bha  aige  ann  an 
Emporium  na  Slainte,  air  an  robh  e  a'  dol  an 
urras  do  mhuinntir  Ghlaschu  gu'n  leighseadh  iaid 
cancer  agus  loinidh  agus  diabetes. 

An  uair  a  shiubhail  Mairi  thuit  an  clar-mais 
as  an  t-saoghal  anns  an  robh  Laban  a'  gluasad 
le  bathais  ard  agus  le  coguis  aotrum.  An  uair 
a  ruigeadh  e  am  buth  anns  a'  mhaduinn,  agus 


Aireamh  8 


938 


Ciod  i  bhur  beatha  ? 

Lf.is  an  Urramach  Ruairidh  Moireasdan,  an  Steornabhagh 

'  Oir  ciod  i  bhur  beatha  ?     Is  deatach  l  a  chithear  rd  iiine  bhig,  agus  an  deidh  sin  a  theid  as  an  t-sealladh." 

— Seumas  iv,  14. 


THA  fhios  againn  gu'n  do  labhair  an  t-abstol 
na  briathran  so  ri  daoine  a  bha  an  sas  ann 
an  obair  am  beatha  gun  aon  smuain  aca  mu 
ghiorrad  agus  neo-chinnteachd  beatha  an  duine 
air  an  talamh.  Tha  an  t-abstol  iarrtach  air 
gu'n  cumadh  daoine  'n  an  sealladh  gu'ni  faod 
Dia  aig  am  sam  bith  briseadh  a  steach  agus 
beatha  an  duine  a  ghearradh  goirid.  Car  son 
tha  an  t-iarrtus  so  aig  an  abstol  ?  Tha,  gu 
cinnteach,  a  chum  gu'n  toir  daoine  a'  cheud 
aite  'n  an  smuaintean  do  na  nithean  as  cud- 
thromaiche.  'S  e  theireadh  an  t-abstol,  Chan 
'eil  greim  cinnteach  sam  bith  agad  air  a' 
bheatha  so  tha  lathair  ;  uime  sin  dean  gnothuch 
cinnteach  dheth,  gur  h-e  na  nithe  a  tha  feumail 
air  son  maith  siorruidh  t-anam  neo-bhasmhor 
aig  am  bi  a'  cheud  aite  'na  do  smuaintean,  agus 
dean  sin  gun  dail. 

Sin,  da  rireadh,  leasan  a  bhiodh  feumail  do 
na  h-uile  neach  againn  a  ghabhail  gu  cridhe. 
Tha  an  oigridh  gu  sonraichte  ullamh  a  bhi 
sealltainn  air  a'  bheatha  so  mar  ni  a  bhios 
fada  agus  cinnteach.  Seallaidh  fichead  bliadh- 
na  gle  fhada  ann  an  siiilean  na  h-6ige,  gu 
h-araidh  inur  'eil  fichead  aca  air  an  ciilthaobh. 
Cha  sheall  iad  cho  fada  le  siiil  air  ais,  'nuair  tha 
fichead  no  corr  air  an  cur  seachad.  Do  neach 
a  tha  ceithir  fichead  bliadhna  a  dh'  aois  tha 
laithean  oige  mar  gu'in  biodh  iad  an  de. 
Chan  'eil  beatha  an  duine  aig  a'  chuid  as 
fhaide  ach  goirid,  agus  tha  e  an  crochadh  air 
toil  Dhe,  agus  chan  ann  air  na  riiintean  a 
tha  againne  a  thaobh  ar  beatha,  ciod  e  am  fad 
a  bhios  innte.  Mar  sin  chan  urrainn  sinn 
ro  thrath  toiseachadh  a  lorg  bunait  chinnteach 
do  ar  beatha  air  an  caith  sinn  ar  laithean  gu  glic. 

'Nuair  a  tha  an  t-abstol  a'  cur  na  ceisde  so, 
Ciod  i  bhur  beatha  ?  tha  e  soilleir  gu'm  bheil 
e  a'  smaoineachadh  air  a'  bheatha  aimsireil 
a  tha  sinn  a'  caitheamh  's  an  t-saoghal  so,  oir 
'nuair  a  tha'e  a'  freagairt  a  cheisd  fhein  's  e  tha 
e  ag  radh  'na  chainnt  fhein,  chan  e  "  is  deatach 
bhur  beatha,"  ach  "  is  deatach  sibh  fein," 
's  e  sin  ri  radh,  "  anns  a'  bheatha  thalmhaidh, 
aimsireil,  so  a  tha  sibh  a'  cur  seachad,  chan 
'eil  annaibh  ach  deatach,  ceo,  neul,  faileas  ag 
eirigh  o  neonitheachd  agus  a'  teicheadh  gu 
neonitheachd  a  ris. 

Tha  e  furasd  gu  leor  dhuinn  fhaicinn  cho 
fior  's  a  tha  so  na'n  smaoinicheadh  sinn  air. 
Tilg  t'inntinn  air  ais  fad  aona  bhliadhna  agus 


beachdaich  cia  meud  de  do  luchd-eolais  a 
chaidh  do'n  t-siorruidheachd  's  an  iiine  ghdirid 
sin.  Mar  dheatach,  mar  neul  maidne,  dh' 
fhalbh  iad  as  ar  sealladh  is  chan  fhaic  sinn  tuill- 
eadh  an  so  iad.  Seadh,  chan  fhada  gus  an 
can  each  sin  mu  ar  timchioll  fhein.  Theid 
sinne  as  an  t-sealladh  mar  a  chaidh  iad-san, 
oir  CO  e  an  duine  tha  beo  is  nach  fhaic  am  bas  ? 

Ach  faodaidh  sinn  a'  cheisd  so,  Ciod  i  bhur 
beatha  ?  a  chur  ruinn  fhein  ann  an  seagh 
na's  doimhne.  Ciod  i  bhur  beatha  ?  's  e  sin, 
Ciod  i  gne  mhodhanail  do  bheatha  ?  Ciod 
i  an  seorsa  beatha  tha  thu  a'  caitheamh  o 
la  gu  la  ?  An  e  beatha  fheumail,  urramach, 
neo-fheineil,  a  tha  cuideachadh  le  maitheas 
mgdhanail  an  t-saoghail,  no  an  e  a  chaoch- 
ladh  seoi'sa  beatha  ?  Eadhon  ann  an  sealladh 
nadurrach,  gun  bruidhinn  air  diadhaidheachd 
idir,  's  e  ceisd  chudthromach  tha  so.  Eadhon 
ged  nach  robh  ann  ar  beatha  idir  ach  deatach, 
air  dhoigh  's  gu  robh  a'  bheatha  gu  h-iomlan 
a'  toiseachadh  's  a'  criochnachadh  leis  an  iiine 
ghoirid  a  tha  againn  air  an  talamh,  chan  urrainn 
sinn  gun  a  bhi  faicinn  gu'm  bheil  beatha 
ordail,  riaghailteach,  fheumail,  gu  neo-chrioch- 
nach  na's  luachmhoire  na  beatha  air  a  caithe- 
amh ann  am  fein-iarraidh  agus  fein-riarachadh. 
Tha  an  t-eadar-dhealachadh  as  mo  eadar  an 
da  sheorsa  beatha  sin.  Tha  e  furasd  gu  leor 
do  dhaoine  a  bhi  dealbh  lethsgeulan  dhaibh 
fein  air  son  gne  beatha  nach  'eil  aon  chuid 
uasal  no  feumail,  a'  riarachadh  am  miannan 
fein,  's-  a'  cuairteachadh  an  criochan  fein,  ach 
chan  'eil  duine  sam  bith  a  bheir  ceartas  d'a 
choguis  aig  nach  'eil  fhios  nach  e  sin  an  seorsa 
beatha  as  uaisle  as  urrainn  duine  a  chaitheamh. 
Eadhon  anns  a'  bheatha  nadurrach,  aimsireil, 
tha  fein-mhiichadh  agus  fein-aicheadh  moran 
na's  maisiche  agus  na's  luachmhoire  na 
rasantachd  is  fein-iarraidh. 

Ach  faodaidh  sinn  ceisd  an  abstoil,  Ciod  i 
bhur  beatha  ?  a  chur  ruinn  fhein  ann  an  seagh 
na's  doimhne  fhathast,  ann  an  seagh  nach 
canadh  an  t-abstol  idir  gur  e  deatach  bhur 
beatha,  a  chithear  re  uine  bhig,  agus  an  deidh 
sin  a  theid  as  an  t-sealladh.  'S  e  theireadh  e 
nach  'eil  'n  ar  beatha  ach  bith  fhior,  uasal, 
phearsanta,  a  chaidh  a  chruthachadh  le  Dia 
air  son  criochan  arda,  agus  aig  am  bheil  saorsa 
agus  comas  oibreachadh  le  Dia  a  chum  ar  sonais 
fein,  no  'n  a  aghaidh  a  chum  ar  sgrios.     Agus 


2 


CIOD  I  BHUR  BEATHA  ?— ANNS  A'  CHATHAIR 


's  ann  anns  an  t-sealladh  so  tha  morachd  is  luach 
ar  beatha  a'  tighinn  am  foUais.  Gun  teagamh 
tha  beatha  ordail,  neo-fheineil,  eadhon  gun  a 
bhi  toirt  aite  do  dhiadhaidheachd  idir,  fada  fada 
na's  uaisle  na  beatha  aig  naeh  'eil  anns  an  t- 
sealladh  ach  criochan  feineil.  Aig  an  am 
cheudna,  tha  ni  a  dhith  air  a'  bheatha  uasail  sin 
as  aonais  nach  'eil  f ior  uaisleachd  no  maireann- 
achd  idir  innte.  'S  ann  'nuair  a  chuireas  sinn  a' 
cheisd,  Ciod  e  f  ior  mhathair  agus  spionnadh  do 
bheatha  ?  a  gheibh  sinn  a  dh'  ionnsuidh  na 
beatha  anns  am  bheil  fior  uaisleachd  agus 
maireannachd.  So  a'  cheisd  a  threoraicheas  sinn 
a  dh'  ionnsuidh  na  beatha  a  tha  'na  beatha  da 
rireadh.  Chan  'eil  ni  sam  bith  na's  cinntiche 
na  gu'ni  feum  sinn  a  dhol  a  mach  asainn 
fhein  a  chum  na  beatha  so  fhaotainn.  A' 
bheatha  as  urramaiche,  ma's  ann  uaithe 
fhein  a  tha  i  a'  tarruing  a  neart  's  a  brigh, 
tuitidh  i  gu  lar.  Ach  a'  bheatha  tha  'n  a 
beatha  da  rireadh,  cha  deatach  idir  i,  ach 
beatha  aig  nach  'eil  crioch,  a  mhaireas  tre 
shiorruidheachd,  gun  lasachadh  sam  bith  air 
a  maise  no  air  a  neart.  Chan  'eil  aig  a'  bheatha 
so  ach  aon  tobar.  As  aonais  eolas  air  Criosd 
ann  ar  n-anam  cha  bhi  aithne  no  fein-fhips- 
rachadh  asainn  air  a'  bheatha  so.     Ach  bheir 


creideamh  ann  an  Criosd  seilbh  dhuinn  oirre. 
Tha  Tobar  na  beatha  againn  'nuair  tha  Criosd 
againn.  Tha  an  t-abstol  Eoin  ag  innseadh 
dhuinn  sin  gu  soilleir  'nuair  a  tha  e  ag  radh, 
"  An  ti  aig  am  bheil  am  Mac  tha  beatha  aige." 
Agus  dh'  ionnsaich  e  leasan  o'n  Mhaighstir 
fhein,  a  thubhairt,  "  Is  mise  an  t-slighe,  an 
fhirinn,  agus  a  bheatha."  Bha  an  t-abstol  Pol, 
mar  an  ceudna,  cinnteach  mu'n  chilis  'nuair  a 
sheall  e  seachad  air  a'  bheatha  aimsireil  so  a  dh' 
ionnsuidh  na  siorruidheachd,  ag  radh,  "  'Nuair  a 
dh'  fhoillsichear  Criosd,  neach  is  e  ar  beatha-ne, 
an  sin  foillsichear  sinne  maille  ris  ann  an  gloir." 

larramaid,  ma  ta,  seilbh  ann  an  Criosd,  a 
chum  's  gu'm  bi  sinn  comasach  air  a  radh. 
'S  e  Criosd  mo  bheatha-sa,  oir  tha  Criosd  beo 
annam,  agus  tha  mise  beo  ann-san,  agus 
bithidh  gu  siorruidh.  Cha  deatach  mo  bheatha- 
sa  idir,  a  chithear  air  son  uine  bhig,  agus  an 
deidh  sin  in  a  theid  as  an  t-sealladh,  ach  beatha 
mhaireannach  ann  an  comunn  ris  an  Athair, 
a  Mhac,  agus  an  Spiorad  Naomh. 

Ma's  urrainn  sinn  a  leithid  sin  a  dh'  aidmheil 
a  dheanamh  a  nis,  cha  dichuimhnich  sinn  a' 
bheatha  tha  mar  dheatach,  ach  oidhirpichidh 
sinn  am  feum  as  f hearr  a  dheanamh  dhith  cho 
fad  's  a  tha  i  againn. 


Anns  a'  Chathair 


BHO  chionn  dha  no  tri  bhliadhnachan  dh' 
innis  mi  air  an  duilleig  so  mu'n  Bhiobull 
ainmeil  a  tha  cho  sean  ris  a'  choigeamh  linn, 
am  Biobull  a  bha  air  a  cheannach  as  an  leabhar- 
lann  a  bha  aig  lompaire  Russia,  agus  a  tha  nis 
air  a  ghleidheadh  gu  ciiramach  anns  a'  Mhus- 
eum  Bhreatunnach,  an  Lunnainn.  Anns  a' 
Bhiobull  sin  gheibhear  an  Litir  a  sgrlobk  CUamain 
chum  nan  Corintianach,  agus  an  leabhar  eile  a 
tha  dol  fo'n  ainm,  Dara  Litir  Chliamai7i. 

Ach  tha  Biobull  eile  air  mhaireann  as  sine 
na  'm  fear  so  a  tha  anns  a'  Mhuseum  Bhreat- 
unnach, Biobull  a  tha  cho  sean  ris  a'  cheath- 
ramh  linn,  agus  ris  an  abrar  an  Codex  Sinaitic. 
Chan  'eil  uile  leabhraichean  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  air  am  faotainn  ann  an  gin  eile  de  na 
seann  Bhiobuill  as  ainmeile  ach  anns  an  fhear 
so,  ach  a  thuilleadh  air  na  leabhraichean  a  tha 
anns  an  Tiomnadh  Nuadh  an  diugh  gheibhear 
da  leabhar  eile  ann,  Litir  Bharnahais  (slan), 
agus  crioman  de  leabhar  eile  ris  an  abrar 
Buachaille  Hermais. 

Ciod  a  tha  so  a'  ciallachadh  ?  Tha  e  a' 
ciallachadh  gu  robh  leabhraichean  ris  an  abrar 
Apocrypha  anns  an  eaglais  Chriosduidh  anns 
na  ceud  linntean  direach  mar  bha  leabhraich- 
ean ris  an  abrar  Apocrypha  anns  an  eaglais 
ludhaich.  Ach  chan  fhaighear  na  leabhraich- 
ean sin  anns  a'  Bhiobull  a  tha  sinn  a'  leughadh 
an  diugh.     Ciod  an  t-aobhar  ?     An  e  gu  robh 


iad  air  an  cur  a  mach  as  ?  Agus  an  robh  iad 
air  am  fagail  a  mach  a  chionn  nach  robh  dad 
a  b'  fhiach  annta  ? 

Chan  'eil  e  ceart  a  radh  gu  robh  na  leabh- 
raichean so  (tha  cuid  mhaith  dhiubh  ann) 
air  an  gabhail  aon  uair  mar  Sgi'iobtur  leis  an 
eaglais  Chriosduidh  ach  gu  robh  iad  air  an 
cur  a  mach  as  an  TionTnadh  Nuadh  an  deidh 
laimhe  le  Comunn  no  Comhairle  dhiadhairean 
leis  an  robh  iad  air  an  sgriidadh  a  dh'  f  heuchainn 
am  b'  airidh  iad  air  aite  a  thoirt  dhaibh  am 
measg  nan  Sgriobturan  eile.  Cha  b'  ann  mar 
sin  a  bha  idir.  Cha  robh  leabhraichean  an 
Tiomnaidh  Nuaidh  air  an  taghadh  leis  na 
h-abstoil,  no  le  Comhairle  air  bith  anns  an 
eaglais,  is  cha  mho  a  bha  an  Tiomnadh  Nuadh 
air  a  thoirt  do'n  eaglais  deas-dheanta.  Dh' 
fhas  an  Tiomnadh  Nuadh  uidh  ar  n-uidh. 
An  tiis  a  toiseachaidh  is  e  an  Seann  Tiomnadh 
a  mhain  a  bha  aig  an  eaglais  Chriosduidh  mar 
Sgriobtur  ;  an  uair  a  chruinnicheadh  na  braith- 
rean  comhla,  gu  sonruichte  a  bhriseadh  aran 
na  Suipearach,  bha  Sgriobturan  an  t-Seann 
Tiomnaidh  air  an  leughadh,  ach  a  thuilleadh 
air  sin  thoisich  iad  air  litrichean  a  bhiodh  na 
h-eaglaisean  a'  faotainn  o  na  h-abstoil  a  leugh- 
adh, agus  leabhraichean  anns  an  robh  gniomh- 
aran  agus  teagasg  Chriosd  air  a  chur  sios,  agus 
leabhi-aichean  maithe  eile  a  bha  air  an  cead- 
achadh  leis  na  h-abstoil.     An  toiseach  cha  robh 


ANNS  A'  CHATHAIR 


lagh  no  riaghailt  anns  an  eaglais  a  thaobh  nan 
leabhraichean  a  bha  air  an  leughadh  ;  bha 
leabhraichean  air  an  uisneachadh  ann  an  aon 
eaglais  nach  robh  air  an  uisneachadh  ann  an 
eaglais  eile  ;  bha  an  gnothuch  air  fhagail  uile 
gu  leir  aig  easbuig  gach  eaglais,  a  bha  a' 
coimhead  thairis  oirre.  Ma  bha  esan  an  duil 
gu  robh  leabhar  air  bith  buanachdail  do  na 
braithrean  a  thaobh  teagaisg,  no  a  thaobh  na 
beatha  dhiadhaidh,  bhiodh  an  leabhar  sin  air 
a  leughadh  le  'ughdarras. 

Tha  leabhraichean  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
nach  robh  air  an  leughadh  idir  ann  an  cuid  de 
na  h-eaglaisean  anns  a'  cheud  linn,  an  dara 
cuid,  a  chionn  gu'm  b'  fhearr  le  easbuig  na 
h-eaglais  agus  leis  na  braithrean  sgriobhaidhean 
eile,  no  a  chionn  gu  robh  amharus  aca  nach 
robh  iad  air  an  seulachadh  le  iighdarras  nan 
abstol.  Bha  an  Litir  chum  nan  Eabhruidheach, 
Dara  Litir  Pkeadair,  agus  Taishean  an  diadhair 
Ebin,  air  an  lair-mhaide  anns  an  eaglais 
Chriosduidh  fad  bhliadhnachan,  ach  mu  dheir- 
eadh  bha  na  h-easbuigean  agus  na  braithrean 
a'  faicinn  gu  robh  uiread  soluis  agus  beatha 
annta  's  gu'n  do  ghabh  an  eaglais  uile  riu  mar 
Sgriobtur,  ged  nach  robh  iad  cinnteach  cia  as  a 
thainig  iad,  no  c6  a  sgriobh  iad. 

Mar  so  bha  leabhraichean  an  Tiomnaidh 
Nuaidh  air  an  taghadh  agus  air  an  seulachadh 
mar  Sgriobtur  uidh  ar  n-uidh  le  guth,  agus 
gnaths,  agus  beul-aithris  nam  braithrean  ; 
is  bha  e  cho  anmoch  ri  meadhon  na  ceathramh 
linn  (no  theagamh  beagan  'na  dheidh  sin) 
m'an  robh  an  Tiomnadh  Nuadh  air  a  dhimadh 
agus  air  a  ghlasadh  gu  teann,  agus  air  a  sheul- 
achadh  le  Cinn  na  h-eaglais  mar  Sgriobtur  agus 
mar  Fhacal  Dhe  do'n  Eaglais  Naoimh  Choit- 
chinn. 

Faodaidh  mi  cuid  de  sheann  leabhraichean 
na  h-eaglais  Chriosduidh,  ris  an  abrar  a  nis 
Apocrypha  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  a  chur  sios 
air  aon  ghad  : 

Soisgeul  Nicodemuis 
Soisgeul  Pheadair 
Taisbean  Pheadair 
Soisgeul  nan  Eabhruidheach 
Eachdraidh  Muire  agus  losa  le  Seumas 

Bha  sgaoth  de'n  t-seorsa  leabhraichean  sin  a' 
sgiathalaich  anns  an  eaglais  an  tus  a  h-each- 
draidh,  ach  ged  a  dh'  fhaodas  grainne  cruith- 
neachd  tachairt  ort  an  sud  agus  an  so,  chan 
'eil  annta  ach  moll  agus  cath,  is  tha  e  'n  a 
dhearbhadh  laidir  air  gliocas  na  h-eaglais  oig 
gu'n  do  chuir  i  cul  riu,  agus  nach  do  leig 
i  a  steach  iad  do'n  Tiomnadh  Nuadh.  B'e 
sud  na  leabhraichean  a  bha  anns  an  t-sealladh 
aig  Lucas  an  uair  a  sgriobh  e  aig  toiseach  a 
Shoisgeul  fhein.  "  Gu'n  do  ghabh  moran  os 
laimli  eachdraidh  a  sgriobhadh  air  na  nithibh 
sin  a  tha  air  an  coimhlionadh  'n  ar  measff-ne." 


Tha  na  leabhraichean  so  leanabail,  Ian  de 
mhiorbhuilean  faoine  agus  de  sgeulachdan 
faoine  air  nach  'eil  dreach  na  firinn,  ach  ged 
nach  'eil  dad  as  fhiach  annta  nach  'eil  ann  an 
ceithir  soisgeulan  an  Tiomnaidh  Nuaidh,  tha 
iad  a'  nochdadh  ann  an  tomhas  ciod  an 
seorsa  dhaoine  a  bha  anns  na  ceud  chreidmhich, 
agus  ciod  an  seorsa  saoghail  as  an  d'  eirich 
an  eaglais.  Ach  chan  'eil  fhios  an  diugh  c6 
a  sgriobh  iad,  no  cia  as  a  thainig  iad. 

Ach  tha  fhios  gu  maith  cia  as  a  thainig 
cuid  de  na  leabhraichean  eile  a  theab  aite 
fhaotainn  anns  an  Tiomnadh  Nuadh  mar 
Sgriobtur,  gu  sonruichte  Litir  Chliamain  chum 
nan  Corintianach,  Bha  Cliamain  'n  a  easbuig 
anns  an  Roimh,  agus  air  dha  a  chluinntinn  gu 
robh  deasbud,  agus  mi-riaghailt,  agus  iorghuill, 
ann  an  eaglais  Chorint,  sgriobh  e  an  litir 
ghasda  so  chuca,  ag  earalachadh  orra  a  bhi 
reidh  'n  am  measg  fhein  agus  a  bhi  'n  an  cloinn 
umhail  do  Chriosd.  Tha  fuaim  nan  Sgriob- 
turan  aig  na  facail  anns  an  Utir  so,  agus  na'n 
robh  i  air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig,  agus  caib- 
ideil  dhi  air  a  leughadh  anns  a'  chubaid  air 
la  na  Sabaid,  shaoileadh  daoine  gur  ann  ris 
an  Sgriobtur  a  bha  iad  ag  eisdeachd.  Leugh 
mi  an  Litir  o  cheann  gu  ceann  an  raoir,  is  thach- 
air  iomadh  rann  mhaiseach  orm  a  bu  mhaith 
leam  a  ghabhail  mar  cheann-teagaisg.  Tha  i  a' 
criochnachadh  le  iirnuigh  a  tha  soluimte  aarus 
maiseach   na  camnt. 

So  am  facal  mu  dheireadh  ann  an  dara  litir 
Chliamain,  Do  'n  Dia  neo-fhaicsinneach,  Athair 
na  firinri,  a  chuir  an  Slanuighear  agus  Prionnsa 
neo-hhasmhor  'g  ar  sireadh,  agus  a  dh'  fhoill- 
seachadh  dhuinn  na  firinn  agus  na  beatha  dhiadh- 
aidh, dhasan  gu  robh  glbir  gu  siorruidh. 

Tha  Buachaille  Hermais  na's  fhaide  na  gin 
de  chach.  Tha  Hermas  ag  innseadh  gu  robh 
e  aon  uair  'n  a  thraill,  air  a  reic  ri  bain-tighearn 
anns  an  Roimh  d'  am  b'  ainm  Rhoda.  An 
deidh  dha  a  shaorsa  fhaotainn  bha  biith  beag 
aige,  ach  bha  olcas  an  t-saoghail  'na  champar 
d'a  spiorad,  is  chuir  e  roimhe  feuchainn  ri 
daoine  a  ghairm  gu  aithreachas.  Tha  iomadh 
rud  maith  anns  an  leabhar  so,  agus  iomadh 
rud  neonach  cuideachd,  gu  sonruichte  na 
seallaidhean  a  bhiodh  e  a'  faicinn.  Bha  e 
gaolach  air  cosmhalachdan  a  sgriobhadh,  ach 
cha  robh  ealadhain  mhaith  aige  idir  orra,  is  tha 
iad  neo-chumadail  agus  sgitheil.  Bu  cho 
maith  leam  dol  do  'n  phriosan  ri  Buachaille 
Hermais  a  thionndadh  gu  Gaidhlig. 

Mar  is  motha  m'  eolas  air  na  leabhraichean 
a  bha  'n  an  comh-aoisean  do  leabhraichean 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  is  ann  as  cinntiche  mi 
gu  robh  an  Spiorad  Naomh  ag  oibreachadh 
anns  na  daoine  a  sgi-iobh  an  Tiomnadh  Nuadh, 
agus  gu  robh  gliocas  Dhe  a'  treorachadh 
na  h-eaglais  a  ghabh  ris  mar  Fhacal  Dhe, 
affus  a  chuir  ciil  ris  na  leabhraichean  eile. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


GED  nach  'eil  i  beo  an  diugh  saoilidh  mi 
air  uairean  gu  bheil  mi  a'  cluinntimi  a 
guth  fhathast,  guth  anns  an  robh  ciiiine  agus 
gliocas  agus  abhacas  nach  cluinnear  ach  ann- 
amh  ann  an  guth  nam  mnathan  nodha  anns 
na  laithean  so.  Bha  i  suas  ri  ceithir  jfichead 
'nuair  a  shiubhail  i,  ach  cha  do  chriochnaich  i 
riamh  na  duilleagan  a  thoisich  i  air  a  sgriobh- 
adh  air  m'  iarrtus  fein,  anns  an  robh  i  a' 
dol  a  dh'  innseadh  mu  laithean  a  h-oige  agus 
an  doigh  anns  an  robh  i  air  a  togail.  An 
deidh  a  bais  thug  a  h-ogha  dhomhsa  na  duille- 
agan a  dh'  fhag  i  anns  an  dasc,  is  theagamh 
gu'm  bu  mhaith  le  luchd-leughaidh  an  leabh- 
air  so  cuid  dhiubh  fhaicinn. 

*  *  *  *  * 

"Is  e  an  diugh  co-ainm  an  la  air  an  do 
rugadh  mi  o  chionn  seachd  deug  is  tri  fichead 
bliadhna,  ach  ged  nach  'eil  diiil  no  dochas 
agam  gu'n  criochnaich  mi  an  obair  air  a  bheil 
mi  a'  toiseachadh  bu  mhaith  learn,  cho  fad  's 
a  tha  mo  chuimhne  agus  mo  leirsinn  agam, 
cunntas  a  thoirt  d'  am  oghachan  air  cuid  de 
na  daoine  o'n  tainig  iad,  agus  air  an  doigh 
anns  an  robh  mi  air  mo  thogail.  Tha  mi 
mar  gu'm  biodh  seana  long  a  tha  a'  tarruing 
dluth  do'n  chaladh  dheireannach  ;  toilichte 
agus  taingeil  do  Dhia  gu  bheil  mo  thurus  a' 
criochnachadh  gu  foisneachail  ann  an  sith. 

Luchd-loingeis  theid  air  muir,  's  a  bhios 

ri  gniomh  an  uisgibh  buan  ; 
Dhaibh  sud  is  leir  mor-oibre  Dhe, 

'S  a  mhiorbhuilean  's  a'  chuan. 

An  sin  tha  iad  ro  ait,  air  son 

gu  bheil  iad  samhach  beo, 
'S  gu'n  d'  thug  e  iad  do'n  chaladh  sin, 

's  do'n  phort  bu  mhiannach  leo. 

Ann  am  sheann  aois  tha  m'  inntinn  a'  dol 
air  ais  gu  trie  gu  laithean  mo  leanabachd  agus 
m'  oige  ;  tha  na  daoine  a  b'  aithne  dhomh 
agus  na  nithean  a  chunnaic  mi  'nuair  a  bha 
mi  'n  am  chaileig  na's  iiire  dhomh  na  na  daoine 
agus  na  nithean  a  thachair  rium  an  de  ;  chan 
'eil  ann  an  tri  trianan  d'  am  bheatha  an  diugh 
ach  cuimhneachain  agus  ionndrainn. 

Rugadh  mi  ann  an  Calcutta,  far  an  robh  m' 
athair  ann  an  seirbhis  a'  Chriiin.  Bha  tarruing 
aig  na  h-Innsibh  an  Ear  air  an  teaghlach 
againne  riamh.  Bha  dithis  de  bhraithrean 
mo  sheanar  agus  triuir  de  bhraithrean  m' 
athar  ann  an  seirbhis  a'  Chruin  anns  na  h- 
Innsibh,  a  thuilleadh  air  daimhich  eile  a  bha 
ri  marsantachd  ann.  Bha  dithis  d'  am  mhic 
fhein  ann  agus  dithis  oghachan,  is  tha  mi  an 
dochas  gu'n  teid  na  h-iar-oghachan  ann  cuide- 
achd,  oir  tha  obair  ri  dheanamh  anns  na  h- 
Innsibh  an  Ear  as  fhiach  do  dhaoine  fearail 


lamh  a  chur  innte.  Cha  chuala  mi  gu'n  do 
thog  duine  a  bhuineadh  dhomh  a  lamh  no 
a  chas  ri  Innseanach  riamh  ;  bha  iad  cho 
caomhail  agus  cho  baigheil  riii  's  a  bha  iad  ri 
muinntir  an  diithcha  fein  ;  buidheachas  do 
Dhia  air  a  shon  sin. 

Chuir  m'  athair  agus  mo  mhathair  dhachaidh 
mi  gu  m'  sheanmhair,  air  chiiram  banaltruim 
dhubh,  an  uair  a  bha  mi  se  bliadhna  a  dh'  aois, 
agus  is  e  a'  chuimhne  as  maireannaiche  a 
tha  aganr  air  laithean  mo  leanabachd  anns  na 
h-Innsibh,  aile  na  diithcha  agus  nan  daoine  ; 
aile  nan  craobh ;  aile  a'  bhidh ;  aile  a'  mhargaidh ; 
aile  na  gaoithe  agus  na  talmhainn.  Tha  bocsa 
beag  agam  de  fhiodh  sandal,  anns  am  bi  mi  a' 
gleidheadh  shnathadan,  is  mheuran,  is  trea- 
thlaich  eile  de  'n  t-seorsa  sin  ;  chan  'eil  agam 
ach  am  bocsa  fhosgladh,  is  aile  am  fhiodha 
fhaotainn,  is  anns  a'  mhionaid  tha  mi  air  m' 
ais  anns  na  h-Innsibh  an  Ear.  Mar  so  tha  mi 
an  diiil  nach  'eil  aon  idir  de  bhuadhan  mhic 
an  duine  as  luaithe  a  dhiiisgeas  cuimhneachain 
'n  a  inntinn  na  aile.  Bheir  do  shron  a  dh' 
Astralia  no  do  lapan  thu  na's  luaithe  na  do 
shiiil   no  t'  inntinn. 

Chan  'eil  a  bheag  de  chuimhne  agam  air 
m'  athair  no  air  mo  mhathair  anns  na  h- 
Innsibh  ;  is  e  a'  chuimhne  a  tha  again  air  mo 
mhathair  gu  robh  a  craicionn  cho  min  ri  sioda, 
agus  gu'm  bithinn  a'  faireachduinn  gu  robh  a 
pogan  blath  mar  gu'm  bithinn  a'  dol  a  chadal 
ann  an  neamh.  Bha  gaol  agam  air  mo  mha- 
thair, ach  chan  'eil  cuimhne  agam  an  robh 
gaol  agam  air  m'  athair  anns  na  laithean  ud 
no  nach  robh.  An  uair  a  thainig  mi  gu  ire 
agus  a  b'  aithne  dhomh  e  na  b'  fhearr  bha  gaol 
agus  meas  agam  air  nach  robh  agam  air  neach 
eile  anns  an  t-saoghal  ach  a  mhain  Bocoota, 
a  bhanaltrum  dhubh  a  thainig  dhachaidh 
leam  a  Calcutta.  Cha  robh  i  beo  ach  bliadhna 
ann  an  tigh  mo  -sheanmhar,  ach  chan  'eil  f hios 
agam  an  e  mo  sheanmhair,  no  sid  f huar  f hliuch 
na  h-Alba,  a  thug  oirre  sioladh  a  mach  as  an 
t-saoghal  so.  Co  dhiu  theab  mo  chridhe 
briseadh  an  la  a  shiubhail  i,  is  tha  cuimhne 
agam  gu'n  deachaidh  mi  a  steach  leam  fhein 
do'n  t-seomar  anns  an  robh  i  'n  a  laighe  marbh, 
a  chur  mo  theangaidh  a  mach  ris  a'  Bhas. 

Bha  eagal  agam  roimh  mo  sheanmhair  nach 
robh  agam  roimh  Dhia,  no  roimh  neach  air 
bith  eile  a  thachair  orm  riamh,  agus  gus  an 
la  diugh  chan  'eil  uair  a  chi  mi  beinn  ard  agus 
sneachd  air  a  mullach  nach  cuimhnich  mi  air 
mo  sheanmhair.  Bha  fait  Hath  oirre  agus 
e  anabarrach  tiugh  ;  bha  i  ard  caol  ;  chan 
fhaca  mi  riamh  i  a'  gaireachduinn,  is  bha  a 
coslas  cho  gruamach  's  gur  ann  air  aodann 
mo  sheanmhar  a  bhithinn  a'  smuaineachadh 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


an  uair  a  bhithinn  a'  leughadh  anns  a'  Bhiobull 
mu'n  deataich  a  chunnacas  air  sliabh  Shinai. 

Theagamh  gu  robh  gaol  aice  orm,  ach  ma 
bha,  cha  do  nochd  i  sin  dhomh  ;  cha  d'  fheuch 
i  riamh  ri  m'  thaladh,  no  ri  m'  chniodachadh, 
no  ri  pog  a  thoirt  dhomh,  agus  na'm  feuchadh 
tha  mi  cinnteach  gu'n  cuireadh  an  aiteamh 
barrachd  eagail  orm  na'n  reodhadh.  Anns 
an  oidhche  bhithinn  a'  smuaineachadh  gu'm 
bu  chompanaich  mi  fhein  agus  Maois,  a  chionn 
gu  robh  sinn  le  cheile  a'  criothnachadh  an 
lathair  gruaim  agus  dorchadas  Shinai,  as  an 
robh  aithntean  air  an  toirt  dhuinn. 

Cha  robh  coire  air  mo  sheanmhair  ach  a 
mhain  nach  robh  innigh  trocair  no  gaoil  innte 
gu  nadurra  ;  am  freumh  beag  de  ghaol  agus 
de  aighear  nadurra  a  bha  innte  'n  a  h-6ige 
bha  e  air  a  spionadh  aisde  le  a  toil  laidir  fhein 
an  uair  a  bha  i  air  a  h-iompachadh,  agus  a  bha 
i  an  diiil  gu'n  d'  fhuair  i  "  gras."  Cha  robh 
fhios  agam-sa  ciod  a  bha  anns  a'  "  ghras  "  air 
am  biodh  mo  sheanmhair  a'  bruidhinn,  is  bha 
eagal  orm  fharraid  dhi,  ach  bha  mi  an  diiil 
gur  e  rud-eigin  trom  agus  dubh  a  bha  ann,  a 
bhiodh  a'  dol  a  steach  ann  an  daoine  gun  fhios 
dhaibh,  agus  'g  an  deanamh  cho  muladach  's 
nach  b'  urrainn  dhaibh  dibhearsoin  no  gaire 
a  dheanamh  gu  brath  tuilleadh.  An  uair  a 
thoisich  mo  sheanmhair  air  mo  thoirt  leatha 
do'n  tigh-choinnimh  anns  na  feasgair,  far  am 
biodh  moran  dhaoine  ag  osnaich,  agus  an  cinn 
crom  is  coslas  bronach  orra,  agus  fear  mu 
seach  de  na  foirbhich  ag  urnuigh  ann  an  guth 
critheanach  gu'n  tugadh  Dia  "  gras  "  do 
chuid-eigin  anns  a'  choinnimh  bhiodh  eagal 
mo  chridhe  ormsa  gur  ann  oi'm  fhein  a  thuiteadh 
an  crann,  is  bhithinn  a'  diisgadh  an  drasd  's  a 
ris  anns  an  oidhche,  agus  a'  sealltuinn  orm 
fhein  anns  an  sgathan  feuch  an  robh  a  choslas 
air  m'  aodann  gu'n  deachaidh  "  gras  "  a  steach 
annam,  agus  mi  'n  am  chadal. 

Bha  na  smuaintean  sin  leanabail  agus 
gorach,  ach  co  dhiu  bha  iad  agam  'n  am  phaisde, 
is  bha  iad  agam  a  chionn  nach  d'  fhuair  mi  o  m' 
sheanmhair  an  rud  a  bha  mo  chridhe  ag 
iarraidh  agus  ag  ionndrainn,  companas  agus 
gaol.  Bha  mo  chridhe  ditiid,  og,  ag  iarraidh 
gaoil  ach  thairg  ise  "  gras  "  dhomh,  rud  nach 
robh  mi  a'  tuigsinn,  agus  nach  robh  acras  orm 
air  a  shon.  Bha  mi  cho  onrachdach  agus  bha 
uiread  ionndrainn  ann  am  chridhe  air  companas 
agus  gaol  's  gu  bheil  cuimhne  agam,  mar 
gu'm  b'  ann  an  de  a  thachair  e,  an  solas  a 
bheireadh  e  dhomh  an  uair  a  chuireadh  cat 
mor  breac  a  bha  aig  mo  sheanmhair  bogha  'na 
dhruim  's  a  thogadh  e  earball,  a'  dol  mu'n 
cuairt  orm  agus  'ga  shuathadh  fhein  ri  m' 
chalpanna  rtiisgte.  Bha  a  bhian  cho  min 
blath  's  gu'n  cuimhnichinn  air  uchd  agus 
pogan  mo  mhathar  a  h-uile  uair  a  shuathadh 
an  cat  e  fhein  ri  m'  aodann  no  ri  m'  chasan. 


Bhithinn  'g  a  thoirt  leam  do'n  leabaidh  gun 
fhios  do  m'  sheanmhair,  is  b'  fhearr  leam 
fada  cian  a  bhi  a'  sliogadh  bian  a'  chait  agus  a' 
cluinntinn  a  chronain  na  bhi  a'  cluinntinn  nam 
bodach  a'  cronan  mu  "  ghras." 

Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  gin  d'  am 
theaghlach  a  leughas  so  gu  robh  mo  shean- 
mhair mosach  rium,  no  gu'm  bu  bhoirionnach 
i  nach  robh  coibhneil.  Ann  an  aon  doigh  bha 
i  anabarrach  coibhneil  agus  fialaidh,  is  cha 
chaomhnadh  i  dragh  no  airgiod  a  chosd  ri 
daoine,  chum  a  dleasdanas  fhein  a  dheanamh, 
agus  "  gras  "  a  thoirt  dhaibh-san.  Bheireadh 
i  seachad  Biobuill,  agus  tractaidhean,  agus  a 
h-airgiod,  agus  a  h-iiine,  do  dhaoine  eile, 
gun  an  cosdus  d'a  corp  no  d'a  sporan  a  chunntas, 
ach  cha  b'  urrainn  i  gaol  a  thoirt  dhaibh,  no 
am  blaths  a  lasas  teine  anns  a'  chridhe.  Bha 
i  cho  onarach  ris  a'  ghrein  ;  measail  am  fianuis 
dhaoine,  agus  measail  oirre  fhein  ;  cho  ciiram- 
ach  agus  cho  smachdail  ann  an  riaghladh  a 
beatha  agus  a  tighe  's  gu  robh  aile  a  firean- 
tachd  air  feadh  an  tighe  na  bu  laidire  na 
aile  nam  fliiraichean  a  bhiodh  i  a'  cur  air  a' 
bhord.  Ach  ged  bha  mo  sheanmhair  cho 
maith  agus  cho  measail  bha  uiread  eagail 
agam  roimhpe  's  a  bhios  aig  seoladairean 
roimh  bheinn-eigh  anns  a'  Chuan  Shiar  ; 
bha  i  daonnan  cho  ard  agus  cho  direach  agus 
cho  dleasdanach,  ach  cho  fuar  agus  cho  fada 
air  falbh  bho  dhaoine  eile,  agus  bho  ghoraiche 
an  t-saoghail,  's  gu'm  bithinn  a'  fas  dearg 
anns  an  aodann  gach  uair  a  shealladh  i  orm. 

Bha  brathair  aice  a  bhiodh  a'  tighinn  a  dh' 
f  huireach  leatha  fad  seachduin  a  h-uile  bliadhna. 
Uncle  Tom,  mar  theireamaid  ris,  a  bha  'n 
a  mharsanta  anns  na  h-Innsibh  an  Ear,  ach  a 
bha  nis  a'  tighinn  beo  air  'airgiod  ann  an 
Glaschu,  leth-sheann  duine  a  bha  cho  sunndach 
laghach  's  gu'm  biodh  fadachd  orm  gus  an 
tigeadh  e.  Bha  diiil  agam-sa  gu  robh  "  gras  " 
aig  a  h-uile  duine  a  bha  cho  sean  ri  Uncle 
Tom,  ach  bha  e  cho  sunndach  's  gu'n  d'  fharraid 
mi  dheth  aon  la  car  son  nach  robh  esan  cho 
maith  agus  cho  muladach  ri  m'  sheanmhair. 
Rinn  Uncle  Tom  gaire  ;  "  tha  eagal  orm," 
ars'  esan,  "  nach  'eil  annam-sa  ann  an  suilean 
Ceit  (b'e  sin  ainm  a  pheathar)  ach  aithinne 
a  dh'  fheumar  a  spionadh  as  an  teine,  agus 
duine  gun  ghras."  Cha  robh  fhios  agam  ciod 
a  bha  aithinne  ann  an  teine  a'  ciallachadh,  ach 
bha  mi  toilichte  a  chluinntinn  nach  robh 
"  gras  "  aig  Uncle  Tom.  Tharruing  so  sinn  na 
bu  dltiithe  ri  cheile  is  dh'  fhas  mi  fhein  agus 
Uncle  Tom  cho  companta  's  gu  robh  an  t- 
seachduin  a  bhiodh  e  comlila  ruinn  mar  dheo- 
greine  d'  am  chridhe.  Anns  na  sgeulachdan- 
riiin  a  bhiodh  Uncle  Tom  ag  innseadh  dhomh, 
an  uair  a  gheibheamaid  air  falbh  a  sealladh 
mo  sheanmhar,  bhiodh  e  ag  innseadh  dhomh 
nach  robh  gin  eile  de  theaghlach  athar  coltach 


6 


AN  T-URRAMACH  DOMHNULL  DOMHNULLACH,  NIS 


ri  Ceit,  agus  gur  e  Beinn  Everest  an  t-ainm 
a  bhiodh  aca  oirre,  'nuair  a  bhiodh  e  fhein 
agus  a  bhrathair  a'  bruidhinn  uimpe  anns  na 
h-Innsibh. 

Bha  laithean  sona  agam  cho  fad  's  a  bha  Uncle 
Tom  anns  an  tigh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a 
dh'  fhalbhadh  e  bha  mi  ann  an  saoghal  fuar 
agus  ann  an  saoghal  dorcha  a  ris. 

Tha  mi  an  dochas  nach  saoil  duine  air  bith 
d'  am  theaghlach  a  leughas  so  gu  bheil  mi 
a'  cur  sios  air  mo  sheanmhair,  no  gu  robh 
mi  eas-umhail  dhi,  no  neo-thaingeil  air  son  na 
rinn  i  air  mo  shon.  Chan  'eil  idir  ;  thug  mo 
sheanmhair  dhomh  gu  fialaidh  agus  gu  saor 
gach  tiodhlac  a  dheanadh  paisde  sona  ach  a 
mhain  gradh,  ach  b'e  an  t-aobhar  nach  d' 
thug  i  dhomh  an  tiodhlac  sin  nach  robh  e  aice 
fhein.  Agus  is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  mi  ag 
innseadh  uimpe  an  drasd  gu'm  bu  mhaith  leam 
gu'm  foghlumadh  sibhse,  mo  chlann  agus  m' 
oghachan,  o  m'  fhiosrachadh-sa  ann  an  laithean 
m'  oige,  nach  urrainn  duine  aig  nach  'eil 
cridhe  gaolach  gras  a  thoirt  do  neach  eile,  no 


a  tharruing  aon  cheum  na's  dluithe  do  riogh- 
achd  Dhe.  Sin  an  t-aobhar  gur  e  mathraichean 
gaolach  na  soisgeulaichean  as  fhearr  air  an 
t-saoghal,  na  comh-oibrichean  maille  ri  Dia 
as  cumhachdaiche  air  an  t-saoghal,  agus  an 
t-aobhar  cuideachd  nach  'eil  toradh  spioradail 
idir  a'  leantuinn  obair  iomadh  ministeir  aig 
a  bheil  talantan  ris  a  bheil  farmad  aig  a 
bhraithrean,  ach  aig  nach  'eil  cridhe  gaolach. 

Ged  lahhrainn  le  teangaibh  dhaoine  agus 
aingeal,  agus  gun  ghrddh  again,  tha  mi  am  umha 
a  nifuai7n,  no  am  chiombal  a  ni  gleangarsaich. 

Agus  ged  chaithinn  mo  mhaoin  idle  chum  na 
hochdan  a  hheathachadh,  agus  gun  ghradh  agam, 
chan  'eil  tairhhe  sam  bith  dhomh  ann. 

Ma's  faidheadaireachd,  cuirear  air  chid  i  ; 
ma's  teangaidhea7i,  sgtdridh  iad  ;  ma's  eblas  cidrear 
air  chid  e ;  ach  chan  fhailnich  an  gradh  a 
chaoidh. 

Is  e  na  trt  ?iithean  a  mhaireas,  creideamh, 
dochas,  gradh,  ach  is  e  an  gradh  as  mb  de'n 
tri  so. 


An  t-Urramach  Domhnull  Domhnullach,  Nis 

Leis  an  Urhamach  Ruairidh  Moireasdan,  an  Ste^rnabhagh 


AIR  a'  cheud  la  de  mhios  meadhonach  an 
t-samhraidh  chaidil  an  duine  urramach  so 
ann  an  losa,  an  deidh  dha  ceithir  bliadhna  gu 
leth  thar  dha  fhichead  a  chur  seachad  'na 
mhinistear  ann  an  Sgire  Chrois,  no  Nis,  ann  an 
Eilean  Leodhais. 

Rugadh  e  ann  an  Crabhlista  ann  an  Sgire  Uig, 
an  Leodhas,  agus  chuir  e  seachad  a  bheatha 
gu  h-iomlan,  ach  a  mhain  na  bliadhnachan 
a  bha  e  a'  leantainn  an  fhogluim  ann  an  Cill- 
Rimhinn  agus  an  Dini-eideann,  anns  an  eilean 
anns  an  do  rugadh  e.  Chaidh  e  cuairtean 
goirid  mar  an  ceudna  thar  chuan,  an  ear  's 
an  iar,  ach  a  mach  air  a  sin  's  ann  an  Leodhas 
a  chaith  e  a  bheatha.  Cha  b'e  nach  d'  fhuair 
e  cothroman  agus  cuiridhean  o  choimthionalan 
air  Tir-mor,  agus  air  taobh  thall  a'  Chuain 
mhoir,  ach  roghnaich  e  fantainn  far  an  robh 
e  fad  a  bheatha. 

B'esan  am  fear  mu  dheireadh  a  bha  beo, 
ach  a  mhain  an  t-Urramach  Domhnull  Mac 
Artair  a  tha  nis  ann  a'  Bhatarnis  an  Eilein 
Sgitheanaich,  de  na  ministearan  a  bha  suidhichte 
's  an  Eaglais  Shaoir  an  Leodhas  aig  a'  cheud 
Aonadh  (I9OO).  Comh-cheangailte  ris  an  aon- 
adh  sin,  rinneadh  sgaradh  an  Nis,  mar  a  rinn- 
eadh  an  caochladh  aitean  eile,  agus  cha  bu 
bheag  an  dragh  a  thuit  air  an  Domhnullach 
an  lorg  sin,  ach  a  dh'  aindeoin  na  bha  aige  ri 
ghiiilan,  thainig  e  a  mach  as  an  dearbhadh  sin 
cho  duineil,  cho  glan,  's  cho  Criosdail,  'sa 
chaidh   e  steach   ann,   agus   suas   gu   latha   a 


bhais  's  ann  a'  dol  am  meud  a  bha  an  t-urram 
agus  an  speis  a  bha  aig  na  h-uile  dha. 

Bha  e  'na  shuidhe  aig  a  bhord-sgriobhaidh, 
agus  am  peann  'na  laimh,  'nuair  a  thainig  am 
bas  'ga  ghairm.  Bha  a  shlainte  air  briseadh 
beagan  uine  air  ais,  agus  bha  e  a'  beachdachadh 
air  a'  choimhthional  a  leigeil  dheth,  ach  cha 
robh  ni  sam  bith  ach  an  eiginn  a  bheireadh  air 
an  obair  anns  an  robh  uiread  de  thlachd  aige 
a  chur  as  a  lamhan.  Ach  thainig  am  a  Mhaigh- 
stir,  agus  chaidh  a  ghairm  gu  raon  obrach  na's 
airde. 

Chan  'eil  e  furasd  nadur  an  Domhnullaich 
a  chur  ann  an  cainnt.  Mar  dhuine  bha  e 
anabarrach  socharach,  agus  aig  an  am  cheudna 
cha  robh  fiamh  no  geilt  air  roimh  ghniiis  duine 
beo.  Ann  an  simplidheachd  agus  ann  an 
irisleachd  dh'  iarradh  e  comhairle  air  daoine 
nach  robh  faisg  cho  glic  ris  fhein,  ach  aig  an 
am  cheudna  ge  b'e  cho  glic  's  a  bha  an  duine 
a  bheireadh  comhairle  air,  is  e  a  chomhairle 
fhein  a  leanadh  e,  agus  cha  bhiodh  e  furasd 
a  thionndadh  o  a  chiirsa. 

'S  e  f  ior  sgoilear  a  bha  anns  an  Domhnullach, 
agus  diadhair  barraichte,  fallain  anns  a' 
chreideamh,  agus  'na  shearmonaiche  cumh- 
achdach.  O  chionn  bliadhnachan  air  ais 
thainig  buidhre  'na  chluasan,  agus  cha  b' 
urrainn  dha  gle  mhaith  a  ghuth  a  chuimseach- 
adh  air  dhoiffh  's  ffu'n  cluinnte  ceart  e,  asfus 
bha  so  ann  an  tomhas  a'  milleadh  fheumalachd 
mar  shearmonaiche,  ach  gus  an  la  mu  dheireadh 


I 


AIG  AN  UINNEIG 


far    an    cluinnte    a    ghuth    chluinnte    teagasg 
a  bha  buanachdail  eisdeachd  ris. 

Is  iomadh  creutair  bochd  aig  an  robh  aobhar 
Dia  a  mholadh  air  son  an  spiorad  coibhneil 
fialaidh  a  thug  E  dha.  Cha  bhiodh  fios  aig 
lamh  chli  an  Domhnullaich  ciod  a  bha  a  lamh 
dheas  a'  deanamh,  'nuair  a  bhiodh  e  air  chuairt 
am  measg  nam  bochd.  Tha  Eilean  Leodhais 
'ga  chaoidh,  agus  gu  sonruichte  Sgire  Nis, 
agus  tha  aobhar  aca  ;  chan  ann  a  h-uile  la  a 
bhios  ministear  d'  a  lethid  ri  fhaicinn  am  measg 


sluaigh.  Anns  na  bhadhnachan  mu  d  heireadh 
bu  trie  a  bhruidhneadh  e  air  na  braithrean 
a  chaidh  dhachaidh,  gu  sonruichte  Niall 
Moireasdan  agus  Seoras  Mac  Leoid,  agus 
bha  e  'ga  fhaicinn  fheinn  ni-eigin  aonaranach 
anns  a'  ghineal  oig  a  tha  ag  eirigh  suas  an 
diugh. 

Tha  e  a  nis  comhla  ris  na  braithrean  ann  an 
tigh  nan  iomadh  aite-comhnaidh,  agus  comhla 
ri  Ceannard  nam  braithrean  a  rinn  an  treor- 
achadh  uile  gu  aite  taimh  is  fois. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Iain  Dow,  D.D. 

AIR  a'  mhios  mu  dheireadh  thainig  am  bas 
air  an  t-seana  mhinistear  so,  agus  gun 
diiil  ris.  Ged  nach  robh  a  shlainte  ro  mhaith 
o  chionn  greis,  bha  e  a'  dol  mu  'n  cuairt  air 
cheann  a  ghnothuich  tri  laithean  m'  an  do 
shiubhail  e. 

Peairteach  a  thaobh  a  dhuthchais  ;  rugadh 
e  an  Capaig  ;  chuir  e  seachad  laithean  oige 
am  Blar  Adholl  ;  bha  e  air  oileanachadh  an 
Cill-Rimhinn,  agus  air  a  shuidheachadh  an 
Srath  Fhaolain  an  1888,  ach  an  ceann  cheithir 
bliadhna  dh'  fhag  e  Srath  Fhaolain  is  chaidh 
e  do'n  Chnoc  Bhan  anns  an  Eilean  Dubh, 
far  an  do  chuir  e  seachad  an  corr  d'  a  lajthean. 
An  1935  leig  e  dheth  a  dhreuchd,  los  gu'm 
biodh  e  na  b'  fhasa  do  dha  choimhthional  a' 
Chnuic  Bhain  dol  comhla. 

Ged  nach  robh  e  'n  a  sgoilear  no  'n  a  shear- 
monaiche  mor  bha  e  'n  a  dhuine  laghach  air  an 
robh  meas  aig  a  choimhthional  fein.  Bha  e 
sgoinneil  agus  sgileil  ann  an  ciiisean-riagh- 
laidh,  is  bha  e  air  gach  Bord  a  b'  urrainn 
ministear  a  bhi  air,  an  sgir  a'  Chnuic  Bhain 
agus  an  Siorramachd  Rois.  Bha  uidh  mhor 
aige  ann  an  obair  an  lonnsachaidh  anns  na 
Sgoilean,  is  bha  e  'n  a  fhear-cathrach  aig  a' 
Chomunn  a  tha  a'  sealltuinn  'n  a  dheidh  sin 
an  Siorramachd  Rois. 

Bha  seisear  nighean  aige  ;  ma's  maith  mo 
chuimhne,  chaidh  ceithir  no  coig  dhiubh 
troimh  Chollaist  Chill-Rimhinn.  Thug  Oil- 
thigh  Chill-Rimhinn  D.D.  dha  an  1934. 

Ged  nach  robh  eolas  dliith  agam-sa  air  Iain 
Dow,  bhitheamaid  a'  tachairt  air  a  cheile  an 
drasd  's  a  ris,  agus  a  h-uile  uair  a  thachramaid 
is  ann  air  sgoilean  agus  bursaries  a  bhiodh  e  a' 
bruidhinn.  Bha  e  'n  a  fhear-diithcha  maith 
agus  'n  a  choimhearsnach  maith  ;  easgaidh 
ann  an  obair  na  h-eaglais  agus  ann  an  obair  na 
siorramachd. 

Institutio  Christianae  Religionis 

Sin  an  leabhar  anns  a  bheil  an  teagasg  aig 
Iain  Calvin  air  a  chur  sios  le  laimh  fhein  gu 


soilleir  agus  gu  h-6rdail,  ach  tha  amharus 
agam  nach  'eil  an  leabhar  so  ann  am  moran 
Mhansaichean  anns  a'  Ghaidhealtachd  an 
diugh.  Ach  mur  bheil  an  leabhar  anns  na 
Mansaichean,  tha  aile  a  theagaisg  anns  a' 
chuid  mhor  de  chiibaidean  na  Gaidhealtachd 
fhathast,  air  a  dheanamh  caomhail  le  gaoth 
bhog  bhlath  a  saoghal  ur  nach  b'  aithne  do 
Iain  Calvin,  a  chionn  nach  robh  e  idir  ann 
'na  latha-san. 

Air  a'  mhios  mu  dheireadh  bha  Comh- 
chruinneachadh  ann  an  Diin-eideann,  a  chum- 
ail  cuimhne  air  ainm  an  diadhair  urramaich 
so  agus  a  tharruing  aire  dhaoine  gu  puingean 
sonruichte  d'a  theagasg  nach  bu  choir  a  bhi 
air  an  dichuimhneachadh  anns  na  laithean  so, 
anns  a  bheil  moran  dhaoine  an  diiil  nach  'eil 
ann  an  Dia  ach  gille-frithealaidh  do  mhac 
an  duine,  gille-frithealaidh  nach  'eil  air  uairean 
suas  ri  ghnothuch.  Tha  uile  thruaighean 
agus  uile  sheachrana  an  t-saoghail  an  diugh 
ag  eirigh  bhuaith  so,  gu  bheil  daoine  cho 
bathaiseach  an  lathair  an  Cruitheir  's  gu'n 
ardaich  iad  an  toil  fein  agus  an  gliocas  fein 
an  aghaidh  a  thoile-san  agus  a  ghliocais-san, 
agus  gu'n  diult  iad  geill  is  umhlachd  a  thoirt  d'a 
lagh  naomh,  ag  radh  'ft  an  cridheachan,  Co 
d'  an  aithne  Dia,  no  d'  an  aithne  a  thoil  ? 
Tha  feum  aig  an  t-seorsa  dhaoine  sin  air  guth 
laidir  a  chluinntinn,  mar  bha  aig  Iain  Calvin, 
a'  toirt  fianuis  mu'n  Dia  mhor  agus  ghlic  agus 
uile-chumhachdach  a  dh'  fhoillsich  a  thoil  agus 
a  reachdan  anns  a'  Bhiobull,  agus  a  tha  a' 
riaghladh  am  fireantachd. 

Na  'n  toisichinn-sa  air  seanchas  ceart  a 
dheanamh  mu  Iain  Calvin  air  an  duilleig  so, 
chan  'eil  fhios  c'  uin  a  sguirinn,  oir  tha  a 
theagasg  a'  togail  a  h-uile  ceist  a  thogadh 
riamh  mu  Dhia  agus  mu  bheatha  na  diadh- 
aidheachd.  Ach  na  'n  gabhainn  orm  fein  a 
radh  gu  robh  meang  air  bith  anns  an  duine 
laidir  so,  theirinn  gur  e  an  rud  a  bu  mhiosa 
ann  an  Iain  Calvin,  e  bhi  cho  cinnteach  as 
fein,  agus  cinnteach  gu'n  gabh  Dia  agus 
riiintean  Dhe  rannsachadh.  Bha  inntinn  cho 
geur  agus  cho  laidir  aige  's  nach  robh  moran 


8 


AIG  AN  UINNEIG— AN  CUAN  AIG  SITH 


dhiadhairean  air  an  t-saoghal  riamh  a  bha 
airidh  air  seasamh  ri  thaobh,  aeh'  a  thuilleadh 
air  na  buadhan  comasach  a  bha  'n  a  inntinn 
bha  eud  agus  dealas  'na  chridhe  a  thaobh 
rioghachd  Dhe  agus  gloir  Dhe,  a  chuir  soluim- 
teachd  agus  tromadas  anns  a  h-uile  facal  a 
labhair  no  sgriobh  e. 

Is  e  teagasg  an  diadhair  so  a  gheibhear 
ann  an  ciibaidean  Eaglais  na  h-Alba  an 
diugh  fhathast  ged  tha  aile  an  t-saoghail  iiir 
air  a  chur  air  le  oiteagan  caomh  is  blath  a 
tha  a'  seideadh  o  chearnaibh  eile  seach  o 
Gheneva.  Ach  cha  chaill  Iain  Calvin  gu 
brath  an  greim  laidir  a  tha  aige  air  inntinnean 
agus  air  cridheachan  dhaoine  pongail  aig  a 
bheil  gaol  air  a'  Bhiobull  agus  air  creideamh 
na  h-Eaglais  Ath-leasaichte. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  gu  bheil  an  creud 
a  bha  aig  Iain  Calvin  freagai-rach  air  a  bhi  air 
a  ghabhail  leis  an  Eaglais  Naoimh  Choitchinn 
mar  a  creud  fein.  Ciod  air  bith  a  their  daoine 
eile  chan  'eil  mise  co  dhiu  a'  creidsinn  gu'n 
gabhadh  an  Eaglais  Naomh  Choitchionn  a  bhi 
air  a  steidheachadh  air  teagasg  Iain  Calvin. 
Tha  an  Eaglais  Choitchionn  an  da  chuid  na's 
farsuinge  agus  na's  siorruidhe  na  Geneva, 
ach  tha  feum  aig  an  Eaglais  Choitchionn  anns 
gach  linn  agus  anns  gach  tir  air  eaglais  bheag 
eile  a  bhi  'n  a  broinn.  Agus  is  e  sin  an  t-aite 
a  bhuineas  do  fhior  mhuinntir  Chalvin,  iad  a 
bhi  'n  an  eaglais  bhig  am  broinn  na  h-eaglaise 
moire,  a  chumail  a  coguis  beo.  Ged  bha 
Piiiritanaich  anns  an  t-saoghal  fada  roimh  linn 
Chalvin  is  e  Calvin  athair  nam  Piiiritanach 
anns  an  Eaglais  Ath-leasaichte,  ach  ged  nach 
biodh  e  maith  do'n  eaglais  gun  seorsa  air  bith 
dhaoine  a  bhi  innte  ach  a  mhain  Piiiritanaich 
tha  e  maith.  do'71  t-saoghal  agus  do'n  eaglais 
fuigheall  Phiiu-itanach  a  bhi  innte,  mar  thaois 
agus  mar  shalann. 

De  minimis  non  curat  lex 

Sin  facal  Laidionn  a  tha  a'  ciallachadh  nach 
gabh  an  lagh  gnothuch  ri  nithean  faoine,  no 


suarrach,  no  gun  fhiii.  Is  e  aon  de  chomharr- 
aidhean  a'  ghliocais  gu'n  aithnich  daoine  air  a' 
cheud  shealladh  dhiubh  na  nithean  a  tha  beasf 
agus  suarrach,  agus  na  nithean  a  tha  mor. 
Ged  nach  deanar  feum  anns  an  eaglais  na's 
mo  na  dheanar  feum  ann  an  ciiisean  na  riogh- 
achd gun  lagh  no  gun  smachd,  tha  e  air  uairean 
na's  glice  do'n  eaglais  an  toil  fhein  a  leigeil  le 
daoine,  agus  saorsa  a  thoirt  dhaibh  dol  cearr 
ma  thogras  iad.  Bu  mhaith  do'n  Eaglais 
Shaoir  Chleireachail  na  'n  do  sheachainn  i 
trath  an  laghaireachd  mu  nithean  suarrach  a 
mhill  a  sith  o  chionn  bliadhna  no  dha,  agus  a 
tha  nis  air  briseadh  a  dheanamh  innte. 

Cha  toir  am  briseadh  sin  toileachadh  do  dhuine 
air  bith  anns  a'  Ghaidhealtachd  anns  a  bheil 
tur  no  criosdalachd  ;  tha  moran  dhaoine  nach 
buin  dhi  gle  dhuilich  gu'n  d'  f  hauir  a  naimhdean 
cothrom  air  bruidhinn  uimpe  gu  taireil. 

Ged  nach  'eil  an  Eaglais  Shaor  Chleireach- 
ail mor,  no  sean,  agus  ged  tha  beachdan  agus 
doighean  aice  nach  'eil  againne  ann  an  Eaglais 
na  h-Alba,  tha  i  'n  a  h-eaglais  anns  a  bheil 
uaisle  nadurra,  agus  dilseachd,  agus  eagal  dia- 
dhaidh.  Cha  do  liib  i  riamh  a  glim  do'n  t- 
saoghal,  is  cha  do  leig  i  a  taic  ris  ;  o  thus  a 
toiseachaidh  sheas  i  gu  duineil  agus  gu  neo- 
sgathach  air  an  teagasg  a  bu  chuimhne  a  bha 
aig  aithrichean  Rois,  ag  iarraidh  fois  d'a  h-anam 
le  bhi  a'  gluasad  anns  na  seann  roidibh.  Cha 
bu  choir  do  dhaoine  no  do  dh'  eaglaisean  eile  a 
bhi  a'  faotainn  coire  dhi  air  a  shon  sin,  eadhon 
ged  nach  'eil  an  aon  inntinn  aca  's  a  tha  aice-se. 
Tha  an  saoghal  farsuinn  ;  tha  an  Fhirinn 
domhain  ;  agus  tha  Dia  do-rannsaichte  ; 
mar  sin  tha  rtim  ann  an  eaglais  Chriosd  do  gach 
seorsa  dhaoine,  ciod  air  bith  a'  chuinneag  leis  a 
bheil  iad  a'  tarruing  uisge  na  beatha  a  tob- 
raichean  na  slainte. 

Bheireadh  e  toileachadh  do'n  h-uile  duine 
aig  a  bheil  meas  air  dilseachd  agus  air  dia- 
dhaidheachd  na'm  faigheadh  an  Eaglais  Shaor 
Chleireachail  a  nis  fois  o  laghaireachd  agus  o 
aimhreit,  agus  o  shiiil  gheur  nam  paipearan- 
naidheachd. 


An  cuan  aig  skh 

Leis  an  Urramach  Eachann  Camshron,  anns  a'  Mhoigh 


rpHA  torman  'tha  binn  aig  tuinn  na  mara 
-»-      Gu  siochail,  athaiseach,  reidh  ; 
A'  pogadh  na  traigh  le  naire  leannain, 
Gu  failidh  'g  aithris  a  speis. 

Tha  trusgan  a'  chuain  gu  h-uasal,  daithte. 

An  iasad  faileas  nan  speur  ; 
Gach  filleadh  is  liib  tha  cumt'  am  maise, 

Gu  dliith  an  altaibh  a  cheil '. 


Tha  solus-an-aigh  an  aird  a  maise 

A'  snamh'troimh  adhar  gun  ghruaim  ; 

Tha  gainneamh  na  traigh  'n  a  blair  fo'n  tui>nne 
Air  caochladh  luraeh  fo  'buaidh. 

Gach  roc  is  sgeir-lair  tha  'n  ailleachd  phurpuir 

An  tamh  an  leaba  na  suain  ; 
Tha  eunlaith  nan  speur  gu  leir  air  cadal 

No  'g  eisdeachd  cagair  a'  chuain. 


Aireamh  9 


938 


Toradh  na  trioblaid 


"  Tha  s'nin  a'  deanamh  luiill  ann  an  triohlaldibk,  do  hhriffh  (/u  bheil  fios  againn  ga'n  oibrich  trioblaid 

faidhidinn." — Roman  v.  3. 


IS  mor  am  facal  e  do  neach  air  bith  a  radh  gu 
bheil  e  a'  deanamh  uaill  ami  an  trioblaidibh, 
ach  is  fhiach  do  dhaoine  amhghar  fhulang  ma 
tha  an  amhghar  sin  ag  oibreachadh  annta  toradh 
siochail  na  fireantachd. 

Ged  nach  bu  duine  Pol  a  bheireadh  'inntinn 
do  eoin  an  adhair,  cha  bu  nar  leis  air  uairean 
fhaoisid  a  dheanamh  r'a  bhraithrean,  agus  inn- 
seadh  dhaibh  ciod  a  dh'  ionnsaich  e  o  fhreasdal 
Dhe  'na  bheatha  f  hein.  Fhuair  e  a  chuibhrionn 
de  thrioblaidean  an  t-saoghail  so,  ach  ged  a 
ghiiilain  e  'na  chorp  agus  'na  spiorad  comharr- 
aidhean  an  Tighearn  losa,  cha  do  rinn  e  riamh 
gearan,  agus  cha  do  chaill  e  a  mhisneach,  oir 
mar  bha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  bha 
Dia  a'  teagasg  dha  gu'm  bu  leor  a  ghras-san 
air  a  shon.  Co  is  urrainn  an  duilleag  a  tha  e 
a'  toirt  dhuinn  a  leabhar  a  bheatha  ann  an 
2  Cor.  ai.  24)-29  a  leughadh  gun  a  chridhe  bhi 
goirt  ?  Ach  ged  a  bha  a  bhodhig  air  a  sar- 
uchadh  agus  air  a  pianadh  le  meud  fhulangais 
bha  an  duine  o'n  leth  a  stigh  air  ath-nuadh- 
achadh  o  la  gu  la.  Cha  b'  ann  mu  thuaiream, 
uime  sin,  ach  o  fhiosrachadh  pearsonta  fein  a 
thubhairt  e  gu'n  oibrich  trioblaid  faidhidinn. 

Tha  am  facal  a  chleachd  Pol  a'  ciallachadh 
barrachd  's  a  tha  sinne  a'  ciallachadh  an  diugh 
leis  an  fhacal  faidhidinn  ;  tha  e  a'  ciallachadh 
misneach  is  seasmhachd.  Anns  an  litir  a 
sgriobh  e  gu  Timoteus  tha  e  ag  iarraidh  air 
cruaidh-chas  fhulang  mar  dheagh  shaighdear 
losa  Criosd  ;  agus  is  e  an  spiorad  sin,  spiorad 
an  t-saighdeir  a  sheasas  ri  cruadal  gun  ghearan, 
a  tha  e  a'  ciallachadh  le  faidhidinn. 

Na  ceud  chreidmhich 

Is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh 
a'  cur  a  leithid  de  chudthrom  air  na  trioblaidean 
a  thachras  air  sluagh  an  Tighearn  anns  an 
t-saoghal  so,  gu  robh  e  air  a  sgriobhadh  ann  an 
amannan  deuchainneach.  A  thuilleadh  air  na 
trioblaidean  cumanta  d'a  bheil  mac  an  duine 
buailteach  o  bhreith  gu  bhas,  dh'  fhuiling  na 
ceud  chreidmhich  deuchainnean  is  cruadal  nach 
aithne  dhuinne  an  diugh.  Bha  an  saoffhal  uile 
agus  cumhachdan  an  t-saoghail  'nan  aghaidh  ; 
dh'  ihuiling  iad  eas-urram,  is  ana-cainnt,  is  geur- 
leanmhuinn  ;  rinneadh  iad  mar  shalchar  an 
t-saoghail,  agusmaranabas  nan  uile  nithean;  agus 
dhearbh  iad  air  an  cosdus  gu'm  b'  fhior  am  facal 
a  lauaair  an  Slanuighear — "  Anns  an  t-saoghal 
bithidh  amhghar  agaibh."     (Ebin  xvi.  33).    Ach 


bha  fios  aca  co  ann  a  chreid  iad,  agus  cha  do 
mheas  iad  gu'm  b'  airidh  fulangas  na  h-aimsir 
a  ta  lathair  bhi  air  a  choimeas  ris  a'  ghloir  a  bha 
ri  teachd,  oir  bha  suil  aca  ri  rioghachd  ghlor- 
nahor  is  shiorruidh.  An  aite  a  bhi  air  an 
tilgeil  sios,  no  bhi  fo  dhiobhail  misnich,  dh' 
oibrich  na  deuchainnean  ud  faidhidinn  annta, 
air  chor  agus  gu'n  do  chomhraig  iad  an  deagh 
chomhrag  mar  shaighdearan  cruadalach,  a' 
sior-mheudachadh  ann  an  obair  an  Tighearna, 
agus  a'  feitheamh  ri  duais  na  fireantachd  a 
bheir  Criosd  dhaibh-san  uile  leis  an  ionmhuinn 
a  theachd. 

Ach  ged  achaidhlaithean  nageur-leanmhuinn 
seachad,  agus  a  dh'  fhaodas  daoine  ainm  an 
Tighearna  aideachadh  an  diugh  gun  eagal  am 
beatha,  no  eagal  am  maoin  shaoghalta  a  chall, 
tha  e  f  hathast  f  ior  gur  ann  tre  iomadh  amhghar 
a  theid  neach  a  steach  do  rioghachd  Dhe. 

Is  lionmhor  trioblaid  agus  teinn 
Thig  air  an  fhirean  choir ; 
Ach  asd'  air  fad  ni  Dia  nan  gras 
A  theasairginn  fadheoidh. 

Foirfe  tre  fhulangas 

Chan'eil  am  Biobull  a'  teagasg  gu'm  bi  ctirsa 
an  fhreasdail  anns  an  t-saoghal  so  na's  baigheile 
ris  an  fhirean  na  bhios  e  ris  an  aingidh.     Tha 
na  h-abstoil  a'  teagasg  gur  e  an  ti  as  ionmhuinn 
leis  an  Tighearn  a  smachdaicheas  e,  agus  ann 
an  samhladh  an  f hionain  fhior  tha  ar  Slanuighear 
ag  radh  nach  ann  idir  ris  a'  chrionaich  no  ris  na 
geugan  marbha  a  bheanas  sgian  a'  ghairnealair, 
ach  ris  na  geugan  a  tha  beo,  agus  a  tha  tabhairt 
toraidh,  chimi  gu'n  giidain  iad  tidlleadh  toraidh. 
Bha  eadhon  iighdar  ar  slainte  air  a  dheanamh 
foirfe  tre  fhulangas,  agus  feumaidh  na  deis- 
ciobuil  imeachd  air  a'  cheart  shlighe  air  an  do 
choisich  am  Maighstir.     Is  e  a'  chrioch  a  tha 
aig  gach  freasdal  searbh  is  duileadas  a  thachras 
air  a'  Chriosduidh,  a  chreideamh  a  dhearbhadh, 
agus   a  dhochas   ann   an   Dia   iirachadh,   agus 
'inntinn  a  thar ruing  air  falbh  o  nithean  faicsinn- 
each  gus  na  nithean  a  ta  siorruidh. 

Chan  fhaighear  smior  a'  chruithneachd  gus 
am  bi  an  t-arbhar  air  a  bhualadh,  agus  air  a 
chi-iaradh,  ach  ged  nach  'eil  e  taitneach  do 
fheoil  duine  gu'm  biodh  e  air  a  bhualadh  agus 
air  a  chriathradh  le  freasdal  Dhe  mar  a  ghlanas 
tuathanach  siol,  gidheadh  an  deidh  laimhe 
theagamh  gun  toir  e  buidheachas  do  Dhia  nach 
do  leiff  e  leis  socruchadh  air  a  dheasffainnibh. 


2 


TORADH  NA  TRIOBLAID— ADHLACADH  AIG  MUIR 


"  Is  maith  dhomhsa,"  ars'  an  Salmadair,  "  gu 
robh  mi  ann  an  amhghar."  Dh'  fhaodadh 
iomadh  duine  eile  a  cheart  ni  a  radh  bho 
laithean  an  t-Salmadair,  oir  bheir  trioblaid 
daoine  chuca  fein  agus  gu  Dia.  "  Ghlaodh  mi 
air  Dia  'n  am  theanntachd." 

Dia  sag  an  dorus 

Chan  'eil  freasdal  searbh  air  bith,  am  feadh 
's  a  tha  e  a  lathair,  solasach  ach  doilghiosach, 
gidheadh  tha  e  dhaibh-san  a  tha  'ga  ghiulan 
gu  h-iriosal,  faidhidinneach ,  'na  iuchair  a  dh' 
fhosglas  na  seomraichean  as  maisiche  ann  an 
tigh  Dhe.  Chan  'eil  Dia  aig  am  sam  bith  cho 
dliith  d'a  shluagh  's  a  tha  e  ann  an  la  na  trioblaid. 
Anns  an  la  sin  tha  e  da  rireadh  'na  sheasamh 
aig  an  dorus  agus  a'  bualadh.  Tha  e  'g  an 
tarruing  le  cordaibh  a  ghraidh,  ag  iarraidh  orra 
an  taic  a  leigeil  ris  fein,  agus  deas  gus  an  geall- 
adh  a  choimhlionadh  dhaibh,  "  An  uair  a  theid 
thu  troimh  na  h-uisgeachan  bidh  mise  maille 
riut."  Tha  ainglean  Dhe  a'  tighinn  gu  dorsan 
dhaoine  air  uairean  ann  an  cruth  eagallach  ; 
ach  is  fhiach  ainglean  Dhe  aoigheachd  a  thoirt 
dhaibh  ge  b'e  cruth  anns  an  tig  iad,  oir  beann- 
aichidh  iad  an  f  hardach  anns  an  cuir  iad  seachad 
oidhche. 

Chan  'eil  ar  trioblaidean  a'  tighinn  thugainn 
gun  fhios  do  Dhia,  agus  cha  tigeadh  iad  idir 
mur  biodh  feum  orra.     Deanaibh  gairdeachas, 


ars'  an  t-abstol  Seumas,  'nuair  a  thuiteas  sibh 
ann  an  iomadh  gne  dheuchainnean,  air  dhuibh 
fios  a  bhi  agaibh  gu'n  oibrich  dearbhadh  bhur 
creidimh  faidhidinn.  Is  teagasg  duilich  so, 
da  rireadh  ;  ach  is  fhiach  do  dhuine  dol  troimh 
mhoran  dheuchainnean  ma  tha  iad  'g  a  thoirt 
na's  dluithe  ri  Dia,  agus  a'  neartachadh  a 
chreidimh  ann  an  gradh  agus  ann  an  caomh- 
alachd  ar  n-  Athar  neamhaidh. 

Faidhidinn  dhiadhaidh 

Ciod,  ma  ta,  is  urrainn  sinn  a  radh  riu-san 
a  tha  fulang  pian  cuirp,  no  amhghar  inntinn, 
no  bron  cridhe,  ach  a  bhi  fo  dheagh  mhisnich 
do  bhrigh  gu  bheil  Dia  a'  buntainn  riu  mar  ri 
cloinn.  Ged  tha  am  freasdal  sin  searbh  an 
drasd,  tionndaidh  an  searbhadas  gu  milseachd, 
ma  ghiiilaineas  iad  an  trioblaid  le  ciiiine,  agus 
le  misneach,  agus  le  faidhidinn.  'Nuair  a  dh' 
fhasas  daoine  gearanach,  no  as-creidmheach,  no 
ceannairceach,  fo  smachdachadh  an  Tighearna, 
tha  iad  a'  dublachadh  an  doilghios  fein,  agus  is 
culaidh-thruais  iadsan  a  gheibh  trioblaid  gun  a 
toradh.  Tha  Dia  ceart  'na  uile  shlighean  agus 
naomh  'na  uile  ghniomharan,  Ian  graidh,  agus 
trocair,  agus  caomhalachd,  eadhon  'nuair  a 
ghairmeas  e  oirnn  ar  crann-ceusaidh  a  ghiulan. 
Is  e  so  an  creideamh  a  bheir  an  gath  a  triob- 
laidean an  t-saoghail,  agus  a  dh'  oibricheas 
annta-san  aig  a  bheil  e  faidhidinn  dhiadhaidh. 


Adhlacadh  aig  Muir 

Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 


ANN  am  meadhon  an  Earraich  so  chaidh 
-seachad,  bha  aon  de  shoithichean  ainmeil 
Bhreatuinn  air  acair  fa  chomhair  Alexandretta, 
baile-puirt  beag,  tlachdmhor,  anns  an  achlais 
eadar  an  Tuirc  agus  Siria.  Bha  a  suas  ri  tri 
cheud  luchd-turuis  air  a  bord,  cuid  dhiubh  a'  dol 
gu  h-Ur  nan  Caldeach  air  tailleamh  cliti  Abrah- 
aim  ;  cuid  do  Thir  a'  Gheallaidh  ;  agus  cuid 
eile  do  'n  Eiphit.  B'e  maduinn  na  Sabaid  a 
bha  ann  ;  agus  an  deidh  braiceis  agus  aoraidh 
a  bhi  seachad,  bha  a'  mhor-chuid  a'  dol  gu  tir 
ann  am  bataichean-aiseig.  Bha  mise  am 
measg  na  buidhinn  so  ;  agus  air  dhuinn  an 
ceidhe  a  ruigheachd,  chaidh  mi  ann  an  seanchas 
ri  Sirianach  a  bha,  a  reir  coslais,  fo  dhleasdanas 
seoladh  is  fiosrachadh  a  thoirt  dhuinn  mu  'n 
bhaile.  Bha  e  Ian  Beurla,  agus  bha  e  soilleir 
gu'n  robh  e  air  son  gleus  a  chumail  oirre.  Sheall 
e  ormsa,  mar  gu'm  bu  mhi  ceann-feadhna  na 
cuideachd,  agus  thubhairt  e  :  "  Nach  cianail 
an  gnothuch  a  thachair  air  bord  agaibh  an 
raoir  !  " 

"  De  an  gnothuch  ?  "  dh'  fharraid  mi  le  mor 
ionghnadh. 

"  Nach  'eil  mar  a  dh'  eirich  do'n  dotair 
agaibh,  a  thug  air  falbh  a  bheatha  fein,"  fhreag- 
air  e. 


"  Cha  chreid  mi  nach  'eil  thu  air  do  mheall- 
adh,"  arsa  mise.  "  Cha  chuala  mise  am 
fathunn  is  lugha  air  ni  de  'n  t-seorsa  ;  agus 
shaoilinn  nach  tachradh  a  leithid  gun  fhios 
dhomh  fhein,  no  do  neach-eigin  de  m'  chom- 
panaich." 

Sheall  e  orm  le  amharus,  mar  nach  bitheadh 
e  'g  am  chreidsinn,  agus  thubhairt  e  : 

"  Chan  'eil  na  Breatunnaich  air  son  aideach- 
adh  gu  bheil  iad  coltach  ris  a'  chorr  de  chloinn 
nan  daoine.  Feuchaidh  iad  ris  a'  bhas  fhein 
fholach." 

Dh'  fhag  mise  an  Sirianach  a'  freagairt  i 
cheistean  na  bha  a'  tighinn  as  mo  dheidh,  ach 
chuir  an  naidheachd  dragh  orm  ;  oir  bha  e 
soilleir  dhomh  gu'n  robh  e  gle  chinnteach  aisde, 
neo-choltach  is  mar  a  bha  i.  Cha  labhradh  ^ 
duine  tiirail  air  bith  mar  a  labhair  esan  gun 
deagh  bharantas  a  bhi  aige. 

Dotair  Sasunnach 

An  ceann  thri  uairean,  bha  sinn  air  ais  's  an 
t-soitheach  ;  agus  thoisich  mise  air  farraid  gu 
faicilleach  an  do  shiubhail  neach  air  bith  air 
bord  an  raoir.  Cha  chuala  aon  ris  an  do 
bhruidhinn  mi  gu'n  do  thachair  a  leithid. 
Fhathast,  bha  naidheachd  an  t-Sirianaich  a' 


ADHLACADH  AIG  MUIR 


3 


biirach  'n  am  inntinn,  Mu  dheireadh,  chaidh 
mi  far  an  robh  am  priomh  stiubhard  ;  agus 
dh'aidich  esan  gu'n  robh  na  chuala  mi  gle 
dhliith  air  an  fhirinn.  Cha  b'e  dotair  an  t- 
soithich,  ach  aon  de'n  luchd-turuis,  seann 
dotair  Sasunnach,  teann  air  ceithir  fichead 
bliadhna  a  dh'aois,  a  fhuaradh  marbh  'n  a 
leabaidh  anns  a'  mhaduinn  ;  agus  bha  e  soilleir 
gu'm  b'ann  le  a  laimh  fein  a  thainig  crioch  air 
a  bheatha.  Thugadh  ordugh  do'n  sgioba  a  bhi 
tosdach  mu  'n  chiiis  ;  oir  cha  toigh  le  luchd- 
turuis  tighinn  fo  sgaile  a'  bhais  ;  agus  idir  cha 
mhaith  leosan  a  tha  a'  toirt  comhla  chuid- 
eachdan-siubhail  neul  a  leigeil  thairis  orra, 
ma  ghabhas  e  seachnadh. 

An  uair  a  thuig  mise  mar  a  bha,  cha  do  leig 
mi  a  bheag  orm  ri  each  m'a  dheidhinn,  ach 
thuig  mi  gu'n  robh  fhios  aig  feadhainn  eile  air 
cho  maith  rium-sa.  Aig  a'  cheart  am,  chuir 
mi  romham  gu'm  faicinn  adhlacadh  mo  chomh- 
chreutair  anns  a'  chuan  ;  oir  dh'  innis  an 
stiubhard  dhomh  gu'n  robh  so  ri  tachairt  aig 
a'  mheadhonn-oidhche,  an  deidh  do  'n  bhata  a 
bhi  a'  seoladh  mu  dha  uair  ;  bhiodh  i  mu'n  am 
ud  fada  mach  air  aird  a'  chuain. 

Tha  seoladairean  eolach  air  a  leithid  so  de 
adhlacadh  ;  ach  ged  a  chunnaic  mise  ceudan 
'g  an  ciir  's  an  iiir,  chan  f haca  mi  a  h-aon  roimhe 
sud  'g  a  liubhairt  do'n  mhiiir. 

Air  a'  mheadhon-oidhche 
Tacan  roimh  an  uair,  chaidh  mi  a  mach  a 
shealltuinn  an  robh  ullachadh  air  bith  a'  dol  air 
aghaidh,  Bha  an  oidhche  gle  dhorcha,  ged  a 
bha  na  reultan  ri  'm  faicinn.  Cha  robh  aon  de 
'n  luchd-turuis  air  urlar  ard  no  iosal — ni  a  chuir 
mor  ionghnadh  orm.  Bha  iad  an  deidh  dol  a 
luighe  ;  agus  bha  a'  chuid  bu  mhotha  de  sholuis 
nan  seomar-suidhe  miichta.  Sheas  mi  far  am 
faicinn  an  gnothuch  a  bha  ri  dheanamh. 

An  ceann  bheagan  mhionaidean,  mhothaich 
mi  gillean  is  nigheanan  ann  an  deiseachan  geala 
— na  stiiibhardan  agus  na  bana-stiiibhardan — 
a'  cruinneachadh  air  ard-urlar  a'  bhata.  Bha 
ni-eigin  mi-nadurra  leam  anns  an  t-sealladh  ud 
air  a'  mheadhon-oidhche  —  mar  bhuidhean 
thamhasg  a'  gluasad  gun  fhuaim,  gun  fhacal, 
eadar  mi  is  an  speur  ;  ach  dhirich  mi  far  an 
robh  iad,  agus  air  dhomh  dlixthachadh  riu, 
chunnaic  mi  gu'n  robh  feadhainn  de  oifigich  a' 
bhata  a  lathair.  Aig  taobh  a'  bhata,  bha  ceath- 
rar  sheoladairean  'n  an  seasamh,  dithis  aig 
ceann,  agus  dithis  aig  casan  a'  mhairbh,  a  bha 
sinnte  air  deile,  suainte  ann  an  cleoca  cainbe. 
Bha  na  casan  ris  a'  chuan  dhorcha,  is  meall 
trom  iaruinn  ceangailte  riu. 

"  Oifig  nam  marbh  " 
Am  feadh  is  a  bha  sinn  a'    feitheamh,  cha 
robh   fhios    agam-sa    co    dhiubh    a   bhitheadh 
sejrbhis  aoraidh  ann  no  nach  bitheadh  ;    ach 


cha  robh  sinn  fada  ann  an  teagamh.  Chualas 
clag  a'  bualadh  ;  thugadh  a  ruith  o'n  luing  ;  is 
thainig  i  ach  beag  gu  stad.  An  sin  chunnacas 
tri  ministirean  ann  an  eideadh  cleireachail  na 
h-eaglais  Shasunnaich  a'  tighinn  air  an  aghaidh. 
Leugh  fear  dhiubh  "  Oifig  nam  Marbh,"  ach 
air  a  giorrachadh,  agus  ann  an  tomhas  air  a 
h-atharrachadh  ;  agus  an  sin,  thubhairt  e  : 
"  O  na  thainig  crioch  air  beatha  shaoghalta  an 
duine  so  ('g  a  ainmeachadh)  tha  sinn  a  nis  a' 
liubhairt  a  chuirp  bhasmhoir  do  'n  doimhne." 
Aig  an  fhacal  so,  thog  na  seoladairean  ceann 
na  deile  ;  agus  mar  lirchair  a  gunna,  theirinn 
na  bha  sinnte  oirre  thar  na  cliathach  do'n 
dorchadas.  .  .  .  Chualas  sgaile  chruaidh  ag 
eirigh  o'n  uisge  fada  shios,  mar  gu'm  buaileadh 
slat  air  bord  ;  agus  anns  an  t-samhchair  throm 
a  lean,  sgaoil  briathran  caomh  a  bheannach- 
aidh^ — "  Gu  robh  gras  an  Tighearna  losa  Criosd 
maille  ruinn  uile.  Amen."  Cha  d'  fhairich 
mi  riamh  an  comhfhurtachd  cho  cumhachdach. 
"  Gliong-glin-gliong,"  sheirm  an  clag  ;  ghluais 
an  soitheach  air  a  h-aghaidh  air  a  turus  ;  agus 
thill  sinne  gach  aon  gu  a  chuil  fein  innte. 

Bron  na  beatha 

Cha  robh  mise  a  lathair  riamh  aig  gnothuch 
cho  soluimte  dhomh  ;  oir  bha  moran  aobhair 
breithneachaidh  anns  a'  chuis  :  seann  dotair  a 
chaith  a  bheatha  a'  frithealadh  gu  grasmhor  do 
dhaoine  'n  an  anshocair  agus  'nan  teinn  ;  a 
chain  a  bhean  an  uiridh  ;  aig  an  robh  teaghlach, 
sgapte  feadh  an  t-saoghail  ;  agus  a  bha  air 
fhagail  leis  fein  'n  a  dhachaidh  'n  a  laigse. 
Thainig  e  air  falbh  air  an  turus  ud  ag  iarraidh 
atharrachaidh  is  tirachaidh  d'a  spiorad  ;  ach 
ged  a  bha  e  air  a  chuairteachadh  le  ceudan  anns 
a'  bhata  mhor,  bha  e  'n  a  aonar  eadhon  aig  bord 
na  dinneir  ;  oir  thainig  failhnn  is  neonachas  air 
inntinn.  An  sin,  bha  an  ni  a  rinn  e  mu 
dheireadh — cuisle-fola  fhosgladh— gus  e-fein  a 
dhealachadh  ri  saoghal  de  'n  robh  e  sgith, 
agus  ri  daoine  anns  nach  robh  tlachd  aige  ni 
b'  fhaide.  Agus  a  chriochnachadh  na  sgeil 
dhubhaich,  bha  adhlacadh  a  chuirp  ann  an 
doimhne  na  mara  aniis  a'  mheadhon-oidhche  le 
lamhaibh  choimheach,  gun  duine  a  lathair  d'a 
chomh -luchd-turuis  ach  na  ministirean,  aon 
choimhearsnach,  agus  mise,  aig  nach  robh  an 
t-eolas  a  bu  lugha  air.  Tha  fhios  agam-sa  gle 
mhaith  gur  coma  c'aite  an  tiodhlaicear  colunn, 
ma  nithear  sin  cho  ordail,  speiseil  is  a  chead- 
aicheas  an  suidheachadh  aig  an  am  ;  ach  a 
dh'  aindeoin  sin  uile,  cha  di-chuimhnich  mi  ri 
m'  bheo  adhlacadh  falachaidh  an  lighiche 
aosmhoir  anns  an  dorchadas  air  druim  f  huaraidh 
a'  chuain,  is  each  'n  an  cadal. 

"  Feuch  air  fear-coimhid  Israeil 
Cadal  chan  aom  no  suain," 


OIDHCHE  SHATHURNA  A'  CHOITEIR 


Oidhche  Shathurna  a'  Choiteir 

le  Rob  Bums 

Air  a  cHun  an  Gaidhlig  lets  an  Urhamach    Eachann  Camshhon  anns  a'  Mhoigh 


AN  t-suipeir  shuilbhir  seach,  le  aodainn  stold', 
An  cois  na  cagailt  deanar  buaile  reidh  ; 
An  t-athair  tionndaidh  suas  le  tlus  priomh-athar 

choir 
Am  Biobull-Mor,  aon  uabhar  athar  fein 
A  bhoineid  leagaidh  urramach  ri  thaobh, 
Le  leth-chinn  ghlasa,  tana,  lorn  gu  leor, 
Am  briathran  milis  Shioin  siubhal  seimh 
A  chuibhrionn  taghaidh  e  le  ciiram  foil, 
Is  "  aoramaid  do  Dhia,"  deii*  e  le  soluimt'  gloir. 

Is  seinnidh  iad  am  fuinn  gun  gho,  aon-fhillt' 
Le  gleusadh  cridh' — a'  chrioch  is  taght'  gach 

am — 
Ma  dh'  fhaoidt'  "  Dundeagha,"  coireal  ard,  gun 

stri, 
No  tiirs'  nam   "  Martaraeh  "   d'   an  dlighe   'n 

t-ainm  ; 
No  "  Eilginn  "  uasal  lasadh  suas  an  anm'  ; 
'S  i  's  binne  seirm  measg  laoidhean  naomh  a 

thir. 
An  coimeas  riu  tha  ceilearan  na  h-Eadailt  fann, 
'S  cha  ghleus  iad  fonn  tre'n  chluais  gu  mire 

cridh'. 
No  aon-ghuthachd  gu  moladh  coimhliont'  an 

Ard-Righ. 

Mar  shagairt  leughaidh  e  's  an  earrainn  naoimh 
Mu  Abram  caraid  f  ior  an  De  is  Aird'  ; 
No  Maois  ag  iomairt  Cogaidh  bhuain  'n  a  16 
Le  Amalec  cruaidh  gun  iochd  's  a  shliochd  gun 

ghras ; 
No  mar  a  laigh  bard  rioghail  Isr'el  bhan 
Fo  aichmheil  chraitich  ardan  Righ  na  Gloir  ; 
No  lob  le  achuing  ghoirt  is  eubhach  gair, 
No  sgal  Isaiah  dhein,  mar  lasair  bheo  ; 
No  eachdraidh  fhaidhean  eile  dheasaich  ci'uit 

gu  ceol. 

Ma  dh'  fhaoidt'  gur  soisgeul  Chriosd  an  cuspair 

fein, 
'S  an  fhuil  gun  chiont  an  eirig  ciont  nan  slogh  ; 
'S  an  Ti  d'  an  coir  an  dara  ainm  air  neamh 
A  bhi    's  a'  chre  gun  dion,  gun  sgeimh,  gun 

doigh  ; 
'S  mu  thriall  a  chiad  luchd-leanmhuinn  feadh 

gach  cors', 
'S  gach  teagasg  crionna  sgriobh  's  a  sgaoil  an 

cein  ; 
Is  fograch  Phatmois,  sgairte  fad'  o'n  chorr, 
A'  faicinn  aingil  ghloirmhoir  anns  a'  ghrein, 
'S  a  cluinntinn  binn  na  Bab'loin  mhoir  le  ordugh 

Phe, 


A'  sleuchdadh  sios  do'n  Righ,  lehobhah  Neimh, 
Ni  'n  naomh,  an  t-athair,   's  am  fear-posd'  a 

ghuidh'  : 
Ni  Dochas  "  buadhmhor  eirigh  suas  air  sgeith  " 
Mar  so  gu'n  ceilidh  iad  an  tir  nan  saoi, 
An    soills'    neo-chruthaichte    'g    an    grianadh 

choidhch', 
Gun  osnadh  cridh',  gun  siiil  a'  sileadh  dheur, 
A'  luaidh  a'  Chruthadair  le  h-iomadh  cliii, 
'S  an  fhior  cho-chomunn  chiadn',  ach  cian  na's 

fearr, 
'Nuair  shiubhlas  tim  mu'n  cuairt  'an  saoghal 

iir  eu  leir. 


Mu  choinneamh  so  nach  suarach  uabhar  creud 

Le  uile  mhorchuis  ealaidhean  is  sheol, 

'Nuair    thaisb'nar    fos    do    choimhthionail    air 

mheud 
Gach  sgeimheachd  ionracais,  gun  chi-idh'  d'  a 

dheoin  ! 
An  t-seirbhis  ghreadhnach,  fhuaimneach,  cleir 

is  stol 
An  Cumhachd  Mor  'an  corruich  naomh  gu'n 

treig, 
Ach,  theagamh,  ann  am  bothan  beag  gun  sgod, 
Le  tlachd  gu'n  eisd  E  cainnt  an  anma  sheimh 
'S  gu'n  sgriobh  E  ainm  na  th'  ann  'n  a  Leabhai'- 

beatha  fein. 


'N  sin  dhachaidh  uile  'n  ceum  fa  leth  gu'n  stiin-. 

Is  clann  an  tighe  laighidh  sios  gu  fois, 

'S   an  lanain-phosd'   an   umhlachd   dhiomhair, 

dhliith, 
'S  an  iarrtas  seirceil,  ciiiin,  gu  neamh  gu'n  tog. 
An  Ti  bheir  clambar  nead  a  bhrain  gu  clos, 
'S  le  mais'  ni'n  lili  min  'n  a  righ  nam  flur, 
Gu'n  deanadh  E  (ma  chi  a  ghliocas  ceart) 
Dhaibh  fhein  's  d'an  leanaban  freasdal  caomh, 
Ach,  thar  gach  ni,  gu'n  riagh'l  E'n  cridh  le  gras 

ro-naomh. 


Bho  shamhail  so  tha  morachd  Albainn  aosd' 
A  choisinn  gaol  a  sliochd  is  meas  an  cein. 
No  facal  righ  am  prionns'  's  am  flath  araon, 
Ach  "  duine  ceart,  's  e  obair  's  maisich'  Dhe." 
Gu  beachd,  an  slighe  ionracais  nan  neamh 
Tha  'Phailis  cian  an  deidh  a'  bhothain  fhaoin  : 
Ciod  morchuis  duine-mhoir,  ach  cual  gun  fheum, 
Cur  falaich  trie  air  truaghan  lag  measg  dhaoin', 
'S    cuilbheart    ifrinn    eal'ain,    's    droch-bheart 
oilean  is  a  shaod. 


OIDHCHE  SHATHURNA  A^  CHOITEIR— AIG  AN  UINNEIG 


O  Alba  ghaoil,  a  thir  mo  bhreith  's  mo  ghraidh 
Do'n  tog  mi  m'achuing  's  crabhaiche  gu  Dia, 
Do  mhic  gach  ial  tha  'g  aiteach  fuimi  do  bhlair 
Gu'm  mealadh  slaint  is  sith  is  sonas  riair, 
'S  gu'n  stiliradh  Neamh  am  beatha  shimplidh, 

dhian 
Bho  thruailleadh  cianail  soigh,  cho  anmhuinn, 

nar  ; 
'S  ge  b'e  mar  sgathar  coroin  's  crliin,  gun  rian, 
Gu'n  eirich  muinntir  mheasail  cheart  gu  brath 
Mar  bhalla  teinteach  dion  mu'n  I  d'am  bheil 

ar  baigh. 


O  Thus'  a  thaom  mar  thonn  gradh-dlithcha  nuas 
Le  buine  bras  troimh  chridhe  Ualais  threin 
Gu  casg'  le  danachd  uasal  foirneart  's  uaill — 
A  roghainn  uabharach  b'e  buaidh  no  eug — 
'S  Tu  Dia  an  daimh  gu  comharraicht'  gach  re, 
A  charaid  brosnachail,  fhear-dion,  's  a  dhuais, 
Gu  suthain  sior  ar  rioghachd  na  fag  's  na  treig  : 
Tog  fein  na  daimh  a  suas  is  baird  nan  duan 
Le  lainnir  bhuan  g'a  dion  's  g'a  riomhachadh 
le'n  luaidh. 


Aig  an  Uinneig 


Co-chruinneachadh  Spioradail . 

rpHA  an  Co-chruinneachadh  so  ri  bhi  ann'an 
J- Srath-pheofharan  an  deireadh  September 
mar  is  abhaist.  Tha  fhios  aig  a  h-uile  duine 
anns  an  Taobh  Tuath  aig  a  bheil  suim  anns  a' 
bheatha  dhiadhaidh  gur  e  crioch  araidh  a' 
Chruinneachaidh  so  cothrom  a  thoirt  do  luchd- 
aideachaidh  as  gach  eaglais  iirnuigh  a  dheanamh 
comhla,  agus  bruidhinn  ri  cheile  a  thaobh  nan 
doighean  anns  a  bheil  e  comasach  dhuinn  neart 
iir  affus  gras  iir  a  tharruins:  as  an  lanachd  a  tha 
ann  an  Dia. 

An  uiridh  bha  an  eaglais  anns  an  robh  na 
coinneamhan  air  an  cumail  Ian  a  h-uile  oidhche, 
is  bha  iad  air  am  beannachadh  do  mhoran.  Tha 
Dia  a'  feitheamh  gus  tiodhlac  spioradail  a 
thoirt  d'a  shluagh  ma  tha  ionndrainn  bheo  'n 
an  anam. 

Aig  deireadh  na  seachduin  (23-26  Septem- 
ber) bithidh  coinneamhan  ann  air  son  na  h- 
oigridh,  is  bithidh  na  coinneamhan  eile  a'  dol 
air  aghaidh  o  Dhi-luain  gu  Di-ardaoin  (26-29 
September),  is  bithidh  iad  uile  anns  an  eaglais 
aio^  an  Urramach  Seumas  Johnstone,  eaelais  a 
ghleidheas  ceithir  cheud  gu  leth. 

Duine  air  bith  a  tha  air  son  dol  ann,  chan  'eil 
aige  ach  sgriobhadh  gu  ministear  Bhaile- 
Dhubhaich,  an  t-Urramach  H.  W.  Oldham, 
is  innsidh  esan  dha  ciamar  a  theid  e  timchioll 
a'  ghnothuich. 

Bithidh  I.  M.  Waite  anns  a'  Chathair,  is 
bithidh  na  braithrean  so  a'  labhairt  aig  na 
coinneamhan. 

An  t-Urramh  Domhnull  Davidson,  B.Litt., 
Ph.D. 

An  t-Urramach  F.  C.  Gibson,  B.A. 
An  t-Urramach  E.  H.  Nash,  M.A. 
Caiptean  Reginald  Wallis. 
Seumas  E.  Duncan,  M.A. 

Naoinhaich  iad  troimh  an  ffiirinn  ;  is  e  t' 
fhacal-sa  an  fhirinn  .  .  .  chum  gu'm  hi  iad  uile 
'n  an  aon  ;  chum  mar  a  tha  thusa,  Athair,  annam- 
$a,  agus  mise  annad-sa,  gum  bi  iadsan  viar  an 


ceudna  'n  an  aon  arinainne,  chum  gun  creid  an 
saoghal  gti'n  do  chuir  thusa  uait  mi." 

Ant-Urramach  Aonghus  Mac  Pharlain,  F.S.A. 

Bha  moran  d'a  bhraithrean  anns  an  eaglais 
duilich  a  chluinntinn  gu'n  do  chaochail  an  duine 
ciiiin  agus  an  duine  coir  so  air  a'  mhios  a  chaidh 
seachad. 

An  laithean  oige  bha  e  'n  a  mhaighstir-sgoil  ; 
bha  e  air  a  shuidheachadh  am  Ban-ath,  an 
Cleir  Inbhir-nis,  an  1909?  far  an  do  shaothraich 
e  gus  an  do  leig  e  dheth  a  dhreuchd  an  1934,  an 
uair  a  bhris  air  a  shlainte. 

Bha  e  'n  a  dhuine  reidh  agus  'n  a  dhuine 
caomhail,  a  chuir  seachad  cuid  mhaith  d'a 
bheatha,  gu  litireil  agus  air  dhoigh  eile,  an 
cluainibh  gorma  laimh  ri  uisgeachaibh  ciuine  ; 
dichiollach  'n  a  obair,  agus  mion  eolach,  chan 
e  mhain  air  na  daoine  am  Ban-ath,  an  Dubhras, 
agus  an  Obar-itheachan,  ach  air  gach  dim,  agus 
cladh,  agus  iasg,  agus  luibh,  agus  craobh  eadar 
Meall-Fuar-mhonaidh  agus  Creag  Phadraig. 
Air  athais  fein  bha  e  'n  a  sheanchaidh  maith  aig 
an  robh  moran  fiosrachaidh  mu  'n  t-seann  t- 
saoghal  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  tha  a'  dol  as 
an  t-sealladh,  is  bha  e  coltach  ri  Solamh  anns  a' 
cheum  so,  gu'n  labhradh  e  gu  tlachdmhor  mu 
chraobhan,  o'n  chrann-ghiuthais  a  dh'  fhasas  an 
Doch-an-easaidh  gu  ruig  an  grunnasg  agus 
garbhag  an  t-sleibhe,  agus  mar  an  ceudna  mu 
ainmhidhean,  agus  mu  eunlaith,  agus  mu 
nithean  a  shnaigeas,  agus  mu  eisg.  Anns  na 
leabhraichean  a  bhitheas  Comunn  Gaidhlig 
Inbhir-nis  a'  cur  a  mach  gheibhear  cuid  d'a 
obair,  ;  sgriobh  e  ann  an  leabhar  na  bliadhna 
1924-1925  mu  ainmean  luibhean,  agus  gu 
sonruichte  mu  luibhean  anns  an  robh  na  seann 
daoine  a'  faotainn  iocshlaint  is  leigheas. 

Bha  ealadhain  aige  cuideachd  air  ranntachd, 
is  thionndaidh  e  laoidhean  Beurla  gu  Gaidhlig. 
Bha  e  'n  a  dheagh  sgoilear  Gaidhlig,  ach  na  b' 
fhearr  na  sin  air  fad,  bha  e  na  dhuine  maith  a 
ghluais  gu  h-iriosal  maille  ri  Dia  agus  am 
fianuis  dhaoine. 


NA  SGOILEAN  GAIDHLIG 


Na  Sgoilean  Gaidhlig 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac  Aonghuis,  M.A.,  an  Hacraig 


CHO  fad's  is  cuimhne  dhomh,  tha  a'  cheist  so, 
no  ceist  coltach  rithe,  air  a  cur  sios  ann  an 
leabhar-gramar  Laidionn  a  bhatar  a'  cur  am 
feum  ann  an  sgoilean  na  mainisdirean  Eireann- 
ach  anns  na  seann  laithean.  "  Co  e  an  duine 
borb  ?  "  An  fhreagairt  :  "  Co  ach  an  neach  a 
bhios  a'  labhairt  na  Gaidhlig  ?  "  Tuigidh  sinn 
gu'n  do  sgriobh  fear-deasachaidh  an  leabhair  a' 
cheist  sin  mar  rabhadh  do  na  balaich  Eireannach 
gun  iad  a  bhi  bruidheann  na  Gaidhlig  'nam 
measg  f  hein  'nuair  bu  choir  dhaibh  a  bhi  cleachd- 
adh  na  Laidionn.  Chan'eil  teagamh  nach  robh 
feadhainn  am  measg  nam  fear-leighinn  Eireann- 
ach nach  robh  a'  coimhead  le  siiil  ro  mhaoth 
air  canain  dhiithchail  an  t-sluaigh. 

Thachair  an  ni  ceudna  'nar  measg  fhein  ann 
an  Gaidhealtachd  na  h-Alba.  Is  iomadh  sgoil- 
ear  a  f  huair  an  tas  gu  goirt  air  son  a  bhi  cleachd- 
adh  na  Gaidhlig  an  claistneachd  a  "  mheastair." 
B'e  aobhar  da  sin  gu  robh  luchd-riaghlaidh  na 
diithcha  agus  seanaidhean  na  h-Eaglais  anns  an 
18mh  linn  agus  roimhe  sin  an  dearbh  chinnte 
nach  tigeadh  eolas,  no  ionracas,  no  aghartas, 
chum  na  Gaidhealtachd  gus  an  rachadh  a' 
Ghaidhlig  a  bith.  Bha  na  Gaidheil,  ann  am 
beachd  fir  a  bha  deanamh  tagairt  am  measg  nan 
Sasunnach  air  son  cobhair  do  na  sgoilean  a  bha 
an  Comunn  air  son  craobh-sgaoilidh  an  t-Sois- 
geil  a'  suidheachadh  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
bha  na  Gaidheil  "  cho  aineolach  ris  a'  chrodh, 
agus  cho  neo-thorach  (ann  an  seadh  spioradail) 
ri  mointeach  dhubh  nam  beann."  Am  beachd 
an  duine-uasail  sin,  agus  am  beachd  na  roinn  bu 
mhotha  de  shluagh  na  Galldachd,  b'e  sar-aobhar 
an  dorchadais  iomlain  sin,  gu  robh  na  Gaidheil 
air  an  sgaradh  o'n  chuid  eile  de'n  rioghachd  le 
cainnt  chein  agus  modhannan  borb. 

Tha  e  duilich  a  chreidsinn  gu  robh  Gaidheil 
na  h-ochdamh  linn  deug  cho  borb  's  a  bha  Goill 
an  taobh-deas  a'  deanamh  a  mach.  Gun  teag- 
amh, cha  b'urrainn  de'n  mhor  chuid  dhiubh 
sgriobhadh  no  leughadh,  ach  bha  earrann 
chumadach  de  shluagh  Shasuinn  a  bha  anns  a' 
cheart  doigh. 

An  luchair  a  dhith 

Anns  na  sgoilean  a  shuidhicheadh  leis  a' 
Chomunn  Urramach  air  son  Craobh-sgaoilidh 
an  t-Soisgeil  an  Alba,  bha  e  air  a  thoirmeasg 
leughadh  no  sgriobhadh  Gaidhlig  a  theagasg. 
Bha  sin  mar  sin  ged  a  bha  baird  ainmeil  coltach 
ri  Mac  Mhaighstir  Alasdair  agus  Diighall 
Bothchanan  am  measg  nam  maighstirean-sgoile 
a  bha  teagasg  anns  a'  Ghaidhealtachd  anns  an 
1 8nah  linn.  'Nam  beachd  fhein,  bha  an  Comunn 
Urramach  sin  a'  deanamh  gu  maith  air  son  leas 


spioradail  agus  aimsireil  nan  Gaidheal.  Ach 
'nuair  a  chaidh  am  Biobull  Gaidhlig  a  chur  an 
clodh  anns  a'  bhliadhna  1807,  chaidh  sealladh 
eile  a  chur  air  gliocas  a'  Chomuinn.  Bha  Facal 
an  Tighearn  a  nis  aig  na  Gaidheil  'nan  canain 
fhein,  ach  cha  robh  ann  ach  a  bheag  a  bha 
comasach  air  a  leughadh.  Bha  an  t-ionmhas 
siorruidh  am  fagus,  ach  bha  an  dorus  glaiste 
agus  an  iuchair  a  dhith. 

Anns  a'  chas  sin,  dh'  eirich  Comuinn  araidh 
a  ghabh  as  laimh  oileanachadh  a  thoirt  do  na 
Gaidheil  'n  an  canain  fhein.  Bha  Comunn 
Inbhir-Nis  agus  Comunn  Ghlaschu  a'  tairgsinn 
teagasg  ann  an  cunntas  agus  ann  am  Beurla  a 
thuilleadh  air  a'  Ghaidhlig.  Ach  ann  an 
sgoilean  Comuinn  Dhun-Eideann,  bha  e  air  a 
thoirmeasg  oilean  sam  bith  a  thoirt  seachad  ach 
leughadh  Gaidhlig  a  mhain.  Agus  air  an 
aobhar  sin,  is  ann  air  sgoilean  Chomuinn  Dhim- 
Eideann  is  iomchuidh  dhuinn  an  t-ainm  urram- 
ach "  Na  Sgoilean  Gaidhlig  "  a  bhuileachadh. 

Cor  an  t-sluaigh 

Bhiodh  e  iomchuidh  a  nis  coimhead  gu  h- 
aithghearr  air  cor  an  t-sluaigh  a  thaobh  oilean. 
Thoisich  Comunn  Sgoilean  Dhim-Eideann  ann 
an  1811.     Mu  dhusan  bliadhna  'na  dheidh  sin, 
rinn  Comunn  Inbhir-Nis  oidhirp  thapaidh  air 
aireamh  a  dheanamh  air  an  t-sluagh  chum  gu'm 
biodh  fhios   aca  c'aite   am  bu  fhreagarraiche 
dhaibh  sgoilean  a  shuidheachadh.     B'e  so  an 
cunntas  a  fhuair  iad  air  an  Eilean  Sgitheanach, 
agus  mur  robh  na  h-eileanan  eile,  agus  taobh      fl 
an  lar  na  Gaidhealtachd  na  bu  mhiosa,  cha  robh      " 
iad  mor  sam  bith  na  b'  fhearr.     Bha  sluagh  an 
Eilein  ag  aireamh  22,453  ;  mu  dha  uiread  's  tha 
e  an  diugh.     Dheth  'n  aireamh  sin,  bha  11,182 
pearsa   os    cionn   ochd  bliadhna   dh'aois   nach 
b'urrainn  facal  a  thoirt   a  leabhar  sam  bith. 
Bha   corr  is    1600   teaghlach   anns   nach   robh      j 
neach  a  b'urrainn  leughadh.     Bha  faisg  air  mile      I 
teaghlach  a  bha  fuireach  corr  is  coig  mile  o'n      I 
sgoil  a  b'fhaisge.     Bha  2379  teaghlach  aig  nach      I! 
robh  Biobull  anns  an  dachaidh  ;    is  e  sin  da 
thrian  an  t-sluaigh  gu  leir.     Ann  an  Diiiirinis 
bha  corr  is  coig  ceud  ;   ann  an  Cill-Mhoire,  bha 
faisg   air   ceithir  cheud   tigh   anns   nach   robh 
Biobull  no  Tiomnadh  Nuadh. 

Sgirean  farsmnn 
A  bharrachd  air  sin,  bha  earrann  mhor  de'n 
t-sluagh  a  bha  fada,  fada  bho  eaglais.     Bha  na 
sgirean  ro  mhor  ;  bha  an  sluagh  diimhail  ;  bha 
na  h-eaglaisean  gann.     Is  iomadh  gleann  lion-     J 
mhor  nach  fhaigheadh  cothrom  air  seirbhis  ach     " 
tri  no  ceithir  uairean  'sa  bhliadhna.     Dh'fhaod- 


NA  SGOILEAN  GAIDHLIG 


adh  am  niinistir  a  bhi  easgaidh,  dileas,  crabhacli, 
ach  ged  a  bhiodh  e  ag  obair  a  latha  agus  a 
dh'oidhche,  cha  robh  e  comasach  dha  a  dhreuchd 
a  choimhlionadh  gu  h-eifeachdach  a  thaobh 
treud  cho  mor  a  bha  sgaipte  air  feadh  diithaich 
cho  farsuinn,  Ann  am  beagan  de  na  sgir- 
eachdan,  an  fheadhainn  a  b'uireasbhuidhiche, 
bha  na  ministirean  a'  faotainn  cuideachaidh  o 
na  ceistearan  agus  na  missionaraidhean  a  bha 
air  an  cur  a  mach  leis  an  Royal  Bounty  Committee 
agus  leis  a'  Chomunn  air  son  Craobh-sgaoihdh 
an  t-Soisgeil.  Bha  mu  dha  fhichead  mission- 
araidh  agus  na  b'  lugha  na  da  fhichead  ceistear 
a'  saothrachadh  fo  chiiram  na  da  bhuidhinn  sin. 
Bha  sin  'na  dheagh  chobhair,  ach  beachdaich- 
eamaid  gu  robh  sluagh  na  Gaidhealtachd  ag 
aireamh  faisg  air  400,000  anam. 

Am  Biobull  a  mhain 
Anns  a'  chas  sin,  ghabh  Comunn  nan  Sgoilean 
Gaidhhg  gu  cridhe  briathran  an  Abstoil  a 
labhair  a  thaobh  a  mhinistrealachd  fhein,  "  Aon 
ni  tha  mi  a'  deanamh."  B'fheudar  comas  a 
thoirt  do  na  daoine  P'acal  an  Tighearn  a  leugh- 
adh  anns  an  aon  chanain  a  thuigeadh  iad. 
Chuir  iadsan  rompa  gu'n  toireadh  iad  an  cothrom 
sin  dhaibh.  Ann  an  riaghailtean  a'  Chomuinn 
bha  e  air  ordachadh  nach  gabhadh  luchd-teag- 
aisg  a'  Chomuinn  gnothuch  ri  obair  sam  bith 
ach  a  bhi  ag  ionnsachadh  an  t-sluaigh  a  bhi 
leughadh  nam  Sgriobtuirean.  Chan  fhaodadh 
iad  searmonachadh  ;  ged  a  bha  e  ceadaichte 
am  Facal  a  mhineachadh.  Chan  fhaodadh  iad 
cunntas,  no  sgriobhadh,  no  Beurla  Shasunnach 
a  theagasg.  Ma  bha  neach  ag  iarraidh  foghlum 
saoghalta,  faigheadh  e  sin  anns  na  sgoilean  eile 
a  bha  uidheamaichte  air  son  na  h-obrach.  Cha 
b'e  cor  aimsireil,  ach  leas  spioradail  nan  Gaidh- 
eal,  a  bha  'na  uallach  air  cridhe  Muinntir  nan 
Sgoilean  Gaidhlig.  Tha  e  a'  saoilsinn  neonach 
dhuinne  an  diugh  gu  robh  luchd-riaghlaidh  nan 
sgoilean  cho  daingeann  an  aghaidh  nam  maigh- 
istirean-sgoile  a  bhi  searmonachadh,  eadhon 
ged  a  bha  cuid  dhiubh  a  bha  Ian  chomasach. 
Ach  bha  deagh  aobhar  ann  air  son  na  riaghailt. 

Eagal  aimhreit 
Bha  roinn  mhaith  de  Chaitligich  anns  a' 
Ghaidhealtachd.  Bha  an  Comunn  air  son  gu'm 
frithealadh  a'  chlann  Chaitligheach  na  sgoilean 
Gaidhlig  comhla  ris  a'  chloinn  Phrostanach. 
Bha  Easbuig  nan  Eileanan  agus  na  sagairt 
Chaitligeach  Ian  thoilichte  gu'm  fritheleadh  an 
cuid  sluaigh  na  sgoilean  Gaidhlig  cho  fad's  a 
bha  an  teagasg  air  a  chumail  ri  leughadh  agus 
ri  mineachadh  briathran  a'  Bhiobuill.  Air  son 
iomadh  bliadhna  bha  muinntir  an  da  aidmheil 
ag  oibreachadh  gu  cairdeil  agus  gu  cridheil  le 
cheile  agus  chan'eil  teagamh  nach  do  rinn  na 
maighstirean-sgoile  Gaidhlig  obair  iomraiteach 
am  measg  ar  luchd-diithcha  a  bha  leantuinn  a' 


chreidimh  Chaitligeach.  B'e  so  an  teisteanas 
a  thug  sagart  Bharraidh  seachad  anns  a' 
bhliadhna  1823.  "  Tha  mi  gle  bhuidheach  leis 
an  doigh  anns  a  bheil  am  fear-teagaisg  'ga 
ghiiilan  fhein  'na  dhreuchd.  Tha  mi  an  dochas 
gu'm  fag  an  Comunn  againn  e  air  son  iiine 
fhathast,  ma's  e  sin  a  dhiirachd  fhein.  Agus 
tha  mi  air  son  buidheachas  a  thoirt  do'n 
Chomunn  air  son  farsuingeachd  am  beachdan, 
ann  a  bhi  comhairleachadh  na  maighstirean- 
sgoile  gun  a  bhi  togail  puingean  no  cuspairean 
a  dh'  aobharaicheadh  aimhreit  am  measg  an 
t-sluaigh." 

Sgoilean  gluasadach 

B'e  "  sgoilean  gluasadach  "  a  bha  anns  na 
Sgoilean  Gaidhlig.  Tha  an  t-ainm  sin  a'  ciall- 
achadh  nach  fhaodadh  am  maighstir  -  sgoile 
cumail  air  anns  an  aon  aite  o  bhliadhna  gu 
bliadhna.  Ann  an  ceann  bliadhna  no  da 
bhliadhna  air  a'  chuid  a  b'fhaide,  bha  aige  ri 
gluasad  gu  cearn  eile,  agus  toiseachadh  ann 
an  sin  as  iir.  Ann  an  Diuirinis,  anns  an  Eilean 
Sgitheanach,  chi  sinn  an  aon  nihaighstir-sgoile 
a'  saothrachadh  aon  bhliadhna  ann  an  Gleann- 
dail  ;  bliadhna  no  dha  'na  dheidh  sin  ann  an 
Cealbost  ;  bliadhna  eile  ann  am  Boirearaig  ann 
an  diithaich  Mhic  Criomain.  Bha  aig  muinntir 
an  aite  anns  an  robh  e  a'  dol  ri  tigh  agus  aite- 
teagaisg  uUachadh  air  a  shon  mus  ruigeadh  e. 

Anns  an  doigh  sin,  bha  aon  duine  a'  deanamh 
a  cheart  uidhir  a  dh'  obair  ri  tri  no  ceithir  a  bha 
a  ghnath  ceangailte  ris  an  aon  aite.  B'e  81  an 
aireamh  luchd-teagaisg  a  b'airde  a  bha  ann  an 
seirbhis  a'  Chomuinn  aig  aon  am,  agus  mar  bu 
trice,  bha  e  na  b'fhaisge  air  leth-cheud.  Bha 
an  aireamh  ag  eiridh  is  a'  tuiteam  a  reir  's  mar 
a  bha  an  t-airigiod  a'  tighinn  a  stigh. 

Ach  ann  an  1835,  as  deidh  do  na  sgoilean 
Gaidhlig  a  bhi  dol  air  aghart  air  son  ceithir- 
bliadhna-fichead,  b'urrainn  do  luchd-iiiil  a' 
Chomuinn  a  radh  le  uaill  gu'n  do  chiim  iad  sgoil 
ann  an  coig  ceud  gu  leth  aite  ;  gu'n  tug  iad 
cothrom  do  70,000  anam  na  Sgriobtuirean  a 
leughadh  anns  a'  chanain  mhathareil  agus  gu'n 
do  chraobh-sgaoil  iad  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
timchioll  air  70,000  Biobull  agus  Tiomnadh 
Nuadh.  Co  is  urrainn  luach  na  h-oibre  sin 
a  mheas  ? 

Taghadh  ciiramach 

Bha  na  maighstirean  Gaidhlig  air  an  taghadh 
le  ciiram  sonruichte.  Cha  robh  an  Comunn 
riaraichte  le  oilean  ann  an  litreachas  a  mhain. 
Bha  aig  gach  fear  a  bha  ag  iarraidh  aite  ann  an 
seii'bhis  a'  Chomuinn  ri  turns  a  dheanamh  a 
Dhim-Eideann  chum  gu'm  faiceadh  maithean 
a'  Chomuinn  le'n  siiilean  fhein  ciod  a  ghne 
duine  a  bha  ann.  Bhiodh  e  ann  an  sin  air  a 
cheasnachadh,  chan  ann  a  mhain  a  thaobh 
oilein  agus  a  chomas-teagaisg,  ach  os  barr  a 
thaobh  ire  spioradail  agus  a  chaitheamh-beatha. 


8 


NA  SGOILEAN  GAIDHLIG 


Cha  deanadh  litir-theisteanais  leatha  fhein 
feuni  sam  bith.  Gle  thric  thigeadh  fear  a 
Dhim-Eideann  anns  an  robh  freumh  a'  glino- 
thuich  a  thaobh  tuigse  nadurra  agus  eolas 
spioradail  ged  a  thachradh  dha  a  bhi  beagan 
fad  air  ais  a  thaobh  oilein.  Na'n  cordadh  a 
choltas  ri  mumntir  a'  Chomuinn,  chumadh  iad 
ami  an  Dim-Eideann  e  air  an  cosdus  fhein  gus 
am  bitheadh  e  uidheamaichte  agus  uUaichte. 
air  son  aite  a  ghabhail.  Cha  robh  moran  de 
bhalaich  oga  'nam  measg.  Bha  a'  chuid  mhor 
dhiubh  aig  aois  shuidhichte  mus  do  ghabh  iad 
ris  an  obair.  Chan'eil  teagamh  idir  nach  robh 
iad  durachdach  agus  dileas  'n  an  dreuchd. 
Bha  iad  air  a  mhor  chuid  a'  coimhhonadh  an 
dleasdanais  laitheil  fada  air  falbh  o  shuil  neach 
aig  an  robh  iighdarras  sam  bith  thairis  orra. 
Bha  iad  a'  cur  seachad  am  beatha  o  bhliadhna 
gu  bliadhna  air  eileanan  a'  chuain,  no  ann  an 
ghnn  uaigneach,  fada  air  falbh  o  ghleadhraich 
an  t-saoghail  mhoir.  Ach  b'ainneamh  idir  a 
thuit  aon  dhiubh  gearr  air  an  earbsa  a  chaidh 
a  chur  annta. 

Fianuis  mhinistearan 

Thug  Ministir  Ghearr-loch,  an  t-Urramach 
Mghr.  .Russel  an  teisteanas  so  do  na  maigh- 
stearan  GaidhUg  a  b'aithne  dha  fhein :  "  Tha  iad 
dileas  agus  eudmhor  anns  an  deagh  aobhar  ; 
daoine  diadhaidh  agus  cliiiiteach  'nan  giiilan  ; 
tha  iad  a'  beothachadh  call  air  son  nithean 
neamhaidh  anns  gach  cearn  anns  am  bheil  iad 
a'  saothrachadh."  Faodaidh  sinn  am  moladh 
sin  a  bhuileachadh  air  an  co-oibrichean  gu  leir. 

Bha  na  maighstirean  Gaidhlig  air  am  paigh- 
eadh  beagan  na  b'f  hearr  na  cuid  a  bha  leantuinn 
an  dreuchd  sin.  Bha  £25  's  a'  bhhadhna  aca 
'nuair  nach  robh  aig  feadhainn  eile  ach  £l4, 
<£l6,  no  £18,  air  son  saothair  bliadhna.  Ach 
ma  bha  barrachd  duals  aig  na  maighstirean 
Gaidhlig,  bha  barrachd  obrach  aca.  Bha  sgoil 
sheachduin  agus  sgoil  Shabaid  aca.  Agus  bha 
an  sgoil  Shabaid  a  stigh  a'  chuid  mhor  de'n 
latha.  Air  feasgar  nan  laithean  seachduin 
bhiodh  e  a'  teagasg  ann  an  tighean  araidh  far 
am  biodh  seann  daoine  a'  cruinneachadh  air 
son  leughadh  a'  Bhiobuill.  Bha  e  a'  faotainn 
mios  dheth  a  h-uile  bliadhna  air  son  a  dhol  a 
thadhal  air  a  chairdean  agus  gu  dearbh  fhein, 
b'airidh  e  air. 

Sgoilearan  aosda 

A  nis,  de  mu  dheidhinn  nan  sgoilearan  ?  'S  e 
gillean  is  nigheanan  eadar  6  agus  16  a  tha  anns 
a'  chuid  mhor  dhiubh.  Ach  'n  am  measg  agus 
a'  suidhe  air  an  aon  t-suidheachan,  chi  sinn  fir 
agus  boirionnaich  oga  ;  is  docha  gu'm  faic  sinn 
athair  teaghlaich  ag  ionnsachadh  as  an  aon 
leabhar  ri  a  mhac,  no  mathair  ag  altrum  a 
naoidhean  le  aon  laimh  affus  a'  leantuinn  nan 


litrichean  anns  a'  cheud  leabhar  Gaidhlig  leis 
an  laimh  eile.  Anns  na  h-eileanan  gu  h-araidh, 
agus  gu  h-araidh  buileach  ann  an  Leodhas, 
bhiodh  bodaich  liath  agus  seanmhairean  aosda 
a'  frithealadh  na  sgoile  gu  diirachdach.  Ach 
eadhon  air  tir-mor,  tha  sinn  a'  leughadh  mu 
bhodach  anns  an  Raoghairt  a  thoisich  air  an 
sgoil  aig  75.  Bha  e  da  uair  posda,  agus  bha 
dithis  de'n  teaghlach  leis  a'  chiad  mhiraoi,  agus 
ceathrar  de'n  teaghlach  leis  an  dara  mnaoi  a' 
dol  do'n  sgoil  comhla  ris.  Ach  ann  an  Leodhas 
bha  a  leithid  de  na  seann  daoine  a'  frithealadh 
nan  sgoilean  Gaidhlig  's  gu  robh  aig  na  maigh- 
stirean ri  cur  a  Dhim-Eideann  a  dh'iarraidh 
speuclairean.  Bha  220  sgoilear  ann  an  sgoil 
Bhai'bhais,  agus  de'n  aireamh  sin,  bha  120  a 
rainig  aois  choimhlionta,  moran  dhiubh  os  cionn 
60  bliadhna. 

Anns  a'  gheamhradh 

Bhiodh  aireamh  nan  sgoilearan  a'  traghadh 
's  a  lionadh  a  reir  aimsir  na  bliadhna.  Anns 
a'  gheamhradh,  bhiodh  na  sgoilean  Ian  ;  ach 
anns  an  t-samhradh,  bhiodh  moran  de  na  sgoil- 
earan, bg  is  scan,  a'  dunadh  an  cuid  leabhrai- 
chean.  '  Bha  obair  mara  agus  fearainn  'g  an 
gairm  air  falbh. 

Bha  a  h-uile  sgoil  air  a  roinn  ann  an  ceithir 
classaichean.  Anns  an  da  chlass  a  b'isle, 
bhiodh  na  sgoilearan  ag  ionnsachadh  anns  an 
da  leabhar  bheag  leughadh  a  dh'ullaich  an 
Comunn  air  son  nan  sgoilean  Gaidhlig.  B'iad- 
san  na  ciad  leabhraichean-sgoile  Gaidhlig  a 
chaidh  riamh  a  dheasachadh  ann  an  Albainn. 
Anns  an  da  chlass  a  b'airde,  bha  na  sgoilearan 
ag  ionnsachadh  a  bhi  leughadh  a'  Bhiobuill, 
agus  a  bhi  cantainn  nan  Salm  air  an  teangaidh. 

Leughadairean  maithe 

Mu'n  do  thoisich  na  sgoilean  Gaidhlig,  bha 
moran  de'n  bheachd  gu  robh  leughadh  na 
Gaidhlig  anabarrach  duiUch  ri  ionnsachadh. 
Tha  moran  de'n  bheachd  sin  fhathast.  Ach 
ma  bha  aon  ni  a'  cur  iongantais  air  luchd-iiiil  a' 
Chomuinn  Ghaidhlig,  b'e  cho  luath  's  a  bha  na 
sgoilearan  a'  togail  an  fhoghluim  a  bhathas  a' 
toirt  dhaibh.  An  ceann  aon  seisean  anns  an 
sgoil,  bha  a'  chuid  mhor  dhiubh  'n  an  deagh 
leughadairean,  ged  nach  aithnicheadh  iad  na 
litrichean  'nuair  a  thoisich  iad. 

Tha  sinn  a'  leughadh  mu  dheidhinn  iasgair 
Tirisdeach  a  thoisich  air  an  sgoil  a  fhrithealadh 
air  na  lathaichean  nach  fhaigheadh  e  mach  gu 
muir  leis  an  droch  shid.  An  ceann  da  mhios, 
bha  an  duine  so  comasach  air  an  Tiomnadh 
Nuadh  a  leughadh  gu  pongail.  Ach  's  fheudar 
gu'n  robh  droch  gheamhradh  ann  an  Tiriodh  a' 
bhliadhna  ud. 

{Re  leantuinn) 


Aireamh  lo 


1938 


Solus  agus  Cumhachd 


•  Bheir  e  dhuibh  Comhfhurtair  eile,  a  chum  giCm  hi  e  maille  ruibh  gu  brath."—Eom  xiv,  16. 


GED  is  e  an  Comhfhurtair  aon  de  ainmean  an 
Spioraid  Naoimh  amis  a'  Bhiobull  chan  'eil 
sin  a'  ciallachadh  gur  e  aon  obair  no  priomh 
obair  an  Spioraid  Naoimh  comhfhurtachd  a 
thoirt  do  chridheachan  tursach.  Tha  an 
Spiorad  Naomh  a'  deanamh  sin,  ach  tha  e  a' 
deanamh  moran  eile  a  thuilleadh  air  sin.  Tha 
daoine  cho  cleachdte  ri  bhi  cluinntinn  a'  cheath- 
ramh  caibideal  deug  de  shoisgeul  Eoin  air  a 
leughadh  ann  an  tigh  a'  bhroin,  agus  aig  leaba- 
thinneis  ;  ann  an  uair  a'  bhais,  agus  aig  an 
uaigh,  's  gu  bheil  iad  uidh  ar  n-uidh  air  an 
daingneachadh  anns  a'  bheachd  (gun  fhios 
daibh  fein)  gur  e  obair  shonruichte  a'  Chom- 
f  hurtair  so  air  am  bheil  Eoin  a'  labhairt  faidhid- 
inn  is  furtachd  a  thoirt  do  luchd  a'  bhroin. 
Sin  pairt  d'a  obair  gun  teagamh  ach  tha  e  a' 
coimhlionadh  ministrealachd  as  farsuinge  na 
sin  ;  *ma  thig  e  gu  daoine  breoite  le  leigheas 
fo  a  sgiathan,  thig  e  mar  an  ceudna  gu  daoine 
laidir  a  thoirt  dhaibh  claidheamh  is  clogad  leis 
an  teid  iad  a  mach  a  dheanamh  comhraig  ris  an 
t-saoghal,  ris  an  fheoil,  agus  ris  an  Diabhol. 

Anns  na  briathran  a  labhair  an  Slanuighear 
mu'n  Spiorad  Naomh  cha  b'  ann  air  a'  chomh- 
fhurtachd  a  bheireadh  e  do  'n  t-saoghal  a  chuir 
e  cudthrom  ach  air  an  t-soillseachadh-inntinn  a 
thigeadh  'na  lorg,  "  teagaisgidh  esan  dhuibh 
na  h-uile  nithe,  agus  cuiridh  e  'n  cuimhne 
dhuibh  na  h-uile  nithe  a  labhair  inise  ribh," 
"  ni  e  fianuis  mu  m'  thimcliioll-sa  "  ;  "  bheir  e 
dearbh-shoilleireachd  do  'n  t-saoghal  mu  phea- 
cadh,  agus  mu  fhireantachd,  agus  mu  bhreith- 
eanas."  Do  dhaoine  a  tha  cheana  air  an 
socruchadh  air  an  deasgainnean  chan  e  fois 
no  comhfhurtachd  a  tha  feumail  dhaibh,  ach 
an-fhois  is  taomadh  is  clisgeadh  a  dhiiisgeas  as 
an  cadal  iad  agus  a  dhearbhas  orra  am  peacadh 
agus  an  cionta. 

Tha  feum  aig  an  t-saoghal  air  conahf  hurtachd 
gun  teagamh  ach  tha  feum  as  motha  aige  air 
solus  do  shuilean  dall,  eud  diadhaidh  do  chridh- 
eachan meogh-bhlath,  agus  eagal  breitheanais 
do  choguisean  marbh — sin  priomh  obair  an 
Spioraid  Naoimh  anns  an  eaglais  agus  anns  an 
t-saoghal. 

(1)  Solus. — Is  spiorad  soluis  an  Comhfhurtair, 
a'  soillseachadh  inntinn  agus  coguis  an  duine 
anns  am  bheil  e  ag  oibreachadh  ;  a'  nochdadh 
dha  nithean  air  nach  ruig  an  inntinn  nadurra. 
Tha  iadsan  a  tha  fo  theagasg  an  Spioraid 
Naoimh  a'  fas  gach  latha  ann  an  eolas  spiorad- 


ail.  Cha  robh  eadhon  na  h-abstoil  ach  gu 
maith  fada  air  an  ais  ann  an  tuigse  spioradail 
aig  bas  Chriosd,  ach  do  bhrigh  gu'n  do  chuir 
Criosd  an  Spiorad  thuca  agus  gu  robh  iad  air 
an  teagasg  leis,  mheudaich  an  tuigse  agus  an 
eolas  o  bheag  gu  mor,  gus  mu  dheireadh  an  do 
rainig  Eoin  airde  gliocais  is  spioradalachd  a 
chuir  ionghnadh  air  an  t-saoghal.  Leth-cheud 
bUadhna  an  deidh  la  na  Caingis  bha  a'  chuid  a 
bha  beo  de  na  h-abstoil  moran  moran  na  bu 
spioradaile  'nan  inntinn  agus  'nam  beachdan 
na  bha  iad  an  uair  a  bha  Criosd  maille  riu  ;  fo 
theagasg  an  Spioraid  fhuair  iad  greim  air 
nithean  a  bha  foluichte  is  diomhair  dhaibh 
roimhe  sin  ;  threoraich  e  iad  a  steach  do  chridhe 
na  firinn  agus  rinn  an  fhirinn  saor  iad.  Agus 
tha  an  Comhfhurtair  a'  deanamh  an  diugh 
f  hathast  an  ni  a  rinn  e  do  na  h-abstoil  ;  tha 
e  a'  nochdadh  do  dhaoine  gloir  Chriosd  is  rtiin- 
tean  an  Athar  anns  an  tomhas  anns  an  urrainn 
iad  gabhail  riu,  oir  is  e  obair-san  an  sluagh  a 
thagh  Dia  a  thoirt  a  steach  do  thir  a'  gheallaidh 
agus  an  suilean  fhosgladh  chum  gu'm  faic  agus 
gu'n  tuig  iad  lanachd  na  h-oighreachd  a  bhuin- 
eas  daibh  ann  an  losa  Criosd.  Iadsan,  mata, 
a  chumas  iad  fein  ami  an  companas  an  Spioraid 
Naoimh  agus  nach  miich  e,  gluaisidh  iad  anns 
an  t-solus  agus  fasaidh  an  solus  a  tha  aca  na  's 
motha  agus  na  's  motha  gus  am  faodar  a  radh 
nach  'eil  dorchadas  annta. 

Imich  's  an  t-soills'  !  's  ge  cloirbh  do  shligh 
Soilleir  bidh  1  mar  ghrein  ; 
Oir  Dia,  troimh  ghras,  ni  tamh  a'  d'  chridh. 
An  Dia  is  soills'  e  fein. 

(2)  Cumhachd. — Is  spiorad  cumhachd  an 
Comhfhurtair,  a'  neartachadh  ghealtairean  gu 
bhi  'nan  deagh  shaighdearan  ;  neach  a  tha 
seasamh  ri  taobh  a  shluaigh  los  am  misneachadh 
agus  am  brosnachadh  anns  a'  chath.  Chan  'eil 
e  ceart  dhuinn  a  bhi  smuaineachadh  air  mar 
nach  robh  ami  ach  neach  a  bhios  a  leigheas 
leon  na  feadhnach  a  thuiteas,  no  bhios  a'  siab- 
adh  nan  deur  air  falbh  bho  aodann  na  feadh- 
nach nach  teid  idir  air  adhart  ach  a  shuidheas 
gU  fann  truagh  a'  caoidh  an  cor  feiii  ri  aghaidh 
a'  chatha  ;  is  gaisgeach  treun  an  Comhfhurtair 
agus  is  e  a  phriomh  obair  spiorad  na  gaisgeal- 
achd  a  chur  ann  an  cridheachan  chreidmheach 
chum  eagal  is  gealtachd  a  chur  a  mach  asda, 
air  chor  agus  nach  bi  eagal  sam  bith  orra  ach 
a  mhain  eagal  Dhe.  ' '  Gheibh  sibh  cumhachd." 
Tha  eachdraidh  na  h-eaglais  uile  gu  leir  air  a 


2 


SOLUS  AGUS  CUMHACHD— NA  SGOILEAN  GAIDHLIG 


filleadh  a  steach  anns  an  fhacal  sin.  Roimh 
la  na  Caingis  chaill  na  h-abstoil  am  misneach  ; 
theab  iad  an  ciil  a  thionndadh  ris  an  namhaid 
agus  teicheadh  ;  ach  an  uair  a  thainig  an  gaisg- 
each  iir  so  air  an  ceann — an  Comhfhurtair — 
dh'  fhalbh  an  t-eagal  agus  chaidh  iad  a  mach  gu 
neo-sgathach  a  shearmonachadh  soisgeul  na 
h-aiseirigh,  a  dh'  aindeoin  Shadusach  is  shagar- 
tan.  Cha  b'ann  'n  an  neart  fein  a  rinn  iad  sin 
ach  tre  chumhachd  an  Spioraid  Naoimh.  Cha 
mho  a  b'  annle  am  briathran-san  no  le  an  talan- 
tan-san  a  bha  na  miltean  air  an  iompachadh  ach 
le  cumhachd  an  Spioraid  cheudna.  "  C  ar  son 
a  tha  iongantas  oirbh,"  arsa  Peadar,  "  no  c'  ar 
son  a  tha  sibh  a'  geur-amharc  oirnne,  mar  gu'm 
b'  ann  le  ar  cumhachd  no  le  ar  diadhaidheachd 
fein  a  thug  sinn  air  an  duine  coiseachd."  Cha 
b'  e  cumhachd  no  diadhaidheachd  nan  abstol  a 
chuir  an  eaglais  air  chois,  no  chuir  an  saoghal 
bun  OS  cionn  anns  a'  cheud  linn,  ach  cumhachd 
an  Spioraid  Naoimh.  "  Shuidhich  mise,"  arsa 
Pol,  "  dh'  uisgich  Apollos,  ach  is  e  Dia  a  thug 


am  fas."  Bu  mhaith  an  searmonaiche  Mac- 
Cheyne — searmonaiche  a  bha  air  a  lionadh  le 
cumhachd  na  diadhaidheachd — ach  thubhairt 
MacCheyne  nach  b'  aithne  dha  'na  fhiosrachadh 
uile  aon  anam  a  bha  air  iompachadh  le  a  bhriath- 
ran-san  ;  bha  iad  uile  air  an  diisgadh  le  facal  air 
chor-eigin  de  'n  Fhirinn  a  thainig  thuca  le 
cumhachd  an  Spioraid  Naoimh. 

Gach  subhailc  annainn  is  gach  feart, 
Gach  buaidh  's  a'  chomhstri  dhein, 
Ar  n-uile  thograidh  naomha,  ceart, 
Tha  'teachd  uaith  fhein. 

Cha  bu  choir  dhuinn,  ma  ta,  a  bhi  a'  cumhann- 
achadh  obair  an  Spioraid  Naoimh  no  bhi 
saoilsinn  nach  'eil  feum  againn  air  gus  an  tig 
1^  na  trioblaid  ;  tha  feum  againn  air  gach  latha 
d'  ar  beatha,  co  dhiu  a  tha  sinn  aoibhneach  no 
tursach  ;  tha  feum  againn  air  anns  a'  chogadh 
naomh.  Is  ann  a  dh'  ullachadh  a  shluaigh  air 
son  a'  chogaidh  sin  a  chuir  Criosd  an  Spiorad 
Naomh  'g  an  ionnsaigh,  treas  Pearsa  na  Trian- 
aid,  Ughdar  ar  soluis  agus  Tobar  ar  neirt. 


Na  Sgoilean  Gaidhlig 

(Air  a  leantuinn) 
Leis  an  Urramach  Iain  Mac  Aonghuis,  M.A.,  an  Hacraig 


THA  sgeul  eile  air  innseadh  mu  nigheanan 
araidh  a  dh'  ionnsaich  an  Tiomnadh  Nuadh 
a  leughadh  ann  an  ochd  latha  deug.  Ach  chan 
'eil  e  air  innseadh  ciod  an  t-aite  d'am  buineadh 
iad.  Co  dhiubh,  tha  fianuisean  as  gach  cearn 
de'n  Ghaidhealtachd  ag  aontadh  le  aon  chridhe 
agus  le  aon  ghuth  gu'n  robh  na  sgoilearan  a' 
togail  an  fhoghluim  a  bha  iad  a'  faotainn  ann 
an  iiine  anabarrach  aithghearr.  B'e  b'aobhar 
da  sin  gu'n  robh  aigne  nan  oileanach  anns  an 
ionnsachadh.  Ann  an  iomadh  kite  cha  leigeadh 
iad  fois  leis  a'  mhaighstir.  Bhiodh  iad  ag 
iarraidh  a  chuideachaidh  a  dh'oidhche  's  a  latha. 
Mu  dheidhinn  sgoil  Bhaibil  ann  an  Leodhas,  tha 
sinn  a'  leughadh  :  "  Bha  am  Maighstir  a'  teag- 
asg  gun  stad  sam  bith  air  son  aona  mhios  deug. 
A  shamhradh  's  a  gheamhradh,  bha  e  a'  tois- 
eachadh  aig  seachd  uairean  's  a'  mhaduinn  agus 
a'  cumail  air  gu  naoi  no  deich.  Bha  iad  a' 
cruinneachadh  a  ris  aig  deich  no  aon  uair  deug, 
agus  bha  e  a'  teagasg  gu  ceithir.  Bha  an  sgoil 
a'  toiseachadh  a  ris  aig  coig  agus  a'  sgaoileadh 
aig  deich  no  eadhon  air  uairibh  aig  meadhon- 
oidhche." 

Tha  ministir  Bhracadail,  an  t-Urr.  Iain 
Shaw,  ag  radh  mu  dheidhinn  sgoil  Choisleadair  : 
"  Tha  am  Maighstir  air  a  chumail  ris  an  obair 
cha  mhor  gun  tamh,  o  sheachd  uairean  's  a' 
mhaduinn  gu  deich  no  aon  uair  deug  a  dh' 
oidhche.  Eadhon  nuair  a  bhios  e  aig  a  bhiadh, 
bithidh  iad  cruinn  timchioll  air." 

Bha  acras  agus  tart  air  an  t-sluagh  air  son 


Facal  an  Tighearn,  agus  bha  sin  a'  beothachadh 
na  h-inntinn  agus  a'  fogradh  na  leisge.  Cha 
leig  sinn  a  leas  ionghnadh  a  ghabhail  gu'n  tug 
na  Gaidheil  an  t-ainm  "  Sgoilean  Chriosd  "  air 
na  sgoilean  Gaidhlig. 

Toradh  maith  -f 

Bha  an  teagasg  a  bha  iad  a'  faotainn  a'  toirt 
a  mach  toraidh  ann  an  iomadh  doigh.  Thainig 
aghartas  air  a'  chloinn  a  thaobh  sgiobaltas 
pearsanta.  B'abhaist  dhaibh  a  bhi  ri  mionnan 
agus  ri  guidheachan.  Ach  tha  fianuisean  ag 
innseadh  dhuinn  gu'n  tainig  caochladh  air  sin 
agus  nach  cluinnte  mionnan  air  beul  sgoilear 
Gaidhlig. 

Bha  an  t-Sabaid  air  a  cumail  na  b'fhearr  anns 
na  h-aitean  anns  an  robh  sgoil  Ghaidhlig. 
B'abhaist  do'n  chloinn  a  bhi  siubhal  nam 
monaidhean  agus  a'  cruinneacheadh  air  na 
machraichean  air  son  dibhearsoin  air  an  t- 
Sabaid,  ach  far  an  robh  sgoil  Ghaidhlig  bhiodh 
iad  a'  frithealadh  na  sgoil  Shabaid  agus  a' 
caitheamh  na  Sabaid  ann  an  doigh  bheusach. 

Bha  na  ministearan  ag  aideachadh  gu  robh 
moran  a  bharrachd  eolais  air  na  Sgriobtuirean 
aig  an  fheadhainn  a  chaidh  troimh  na  sgoilean 
GMdhlig  na  aig  an  fheadhainn  a  chaidh  oilean- 
achadh  anns  na  sgoilean  Beurla. 

Bha  am  Biobull  anns  a'  h-uile  tigh  anns  an 
robh  sgoilear  Gaidhlig. 

Bha  an  Comunn  a'  cosd  an  treasa  cuid  de'n 
airgiod  a  bha  a'  tighinn  a  stigh  dhaibh  ann  a  bhi 


NA  SGOILEAN  GAIDHLIG 


3 


ceannach  nan  Sgriobtuirean,  agus  bha  iad  'g 
an  reic  riusan  a  b'urrainn  an  ceannach,  agus  'g 
an  toirt  seachad  an  asgaidh  dhaibhsan  nach 
b'urrainn. 

Cor  truagh  nan  Gaidheal 

Aig  an  am  anns  an  robh  na  Sgoilean  Gaidhlig 
ag  oibreachadh,  bha  cor  nan  Gaidheal,  a  thaobh 
nithean  aimsireil,  truagh  gu  leor.  Bha  an 
sluagh  a'  fulang  dheuchainnean  air  nach  'eil 
eolas  againne  anns  an  latha'n  diugh.  Tha  an 
sean-fhacal  ag  radh,  "  Is  e  an  duine  an  t-aodach, 
ach  is  e  am  fior-laochan  am  biadh."  Bha  am 
"  fior-laochan  "  air  uairibh  gle  ghann,  Nuair 
a  theirigeadh  a  mhin,  is  docha  tri  miosan  mus 
abaicheadh  coirce  an  ath  fhogharaidh,  agus  gu 
h-araidh  nuair  a  thigeadh  gaiseadh  anns  a' 
bhuntata,  bhiodh  gort  anns  an  tir.  Tha  leth- 
chuimhne  aig  daoine  fhathast  air  a'  ghort  a 
thuit  air  a'  Ghaidhealtachd  agus  air  Eirinn  anns 
na  bliadhnaichean  1846-47.  Ach  bha  gainne 
bidh  anns  a'  Ghaidhealtachd  roimh  184.6-47, 
gun  ghuth  no  iomradh  a  bhi  oirre  anns  a'  chuid 
eife  dheth  'n  diithaich.  Bha  an  Gaidheal  a' 
giiilan  a  chuid  thrioblaidean  le  faidhidinn  ;  tha 
cuid  ag  radh  le  cus  faidhidinn.  Ach  aig  an  aon 
am,  bha  e  a'  call  a  dhochais  agus  a  mhisnich. 
Bha  cuimhne  aige  gu  robh  an  ceann-cinnidh'na 
charaidseasmhachagus'na  chomharlaiche  coibh- 
neil  do  a  shluagh  fhein  anns  na  laithean  a 
dh'fhalbh.  Ach  an  aite  cinn-cinnidh  a  bhiodh 
a'  gabhail  tlachd  ann  an  cor  an  cuid  tuatha,  is 
e  dh'eirich  a  nis  ginealach  iir  de  uachdarain  a 
bha  'nam  marsantan-fearainn,  daoine  a  bha  a' 
fasachadh  nan  gleann  agus  a'  fuadachadh  an 
t-sluaigh  gu  croitean  beaga  neo-thorrach  ri 
taobh  a'  chladaich  no  gu  machraichean  agus 
coilltean  America.  Cha  ruig  mi  leas  leudachadh 
air  an  eachdraidh  bhronach  sin,  no  breith  no 
binn  a  thoirt  a  mach  air  duine  seach  duine.  Is 
leor  gu'n  aithnicheamaid  gu  robh  mor  roinn  de 
na  Gaidheil  a'  faireachduinn  gu  robh  an  saoghal 
gu  leir  'nan  aghaidh  agus  nach  robh  caraid  aca 
air  an  domhan  a  sheasadh  an  cixis. 

"  Oir  bheathaich  Thu  do  shluagh  gu  I6ir 
Le  aran  deur  is  br6in 
Is  tomhas  saoibhir  thug  Thu  dhaibh 
De  dheuraibh  goirt  r'an  61." 

Maorach  a'  chladaich 

Arsa  Ministir  Ghearr-loch,  a'  sgriobhadh  anns 
a'  bhhadhna  1824  :  "  Tha  e  a'  cur  doilgheas  orm 
aideachadh  gu  bheil  an  ard  aigne  leis  an  robh 
na  Gaidheil  air  an  comharrachadh  anns  na 
h-aimsirean  a  dh'fhalbh,  air  a  briseadh  gu 
h-iomlan  le  cudthrom  nan  teanntachdan  a  tha 
iad  a'  fulang  an  diugh." 

Anns  a'  bhliadhna  1830,  sgriobh  am  fear- 
coimhid  a  bha  tadhal  air  na  sgoilean  GaidhUg  : 
"  Thadhail  mi  air  sgoil  Bhuirbh  ;  cha  robh 
aireamh  nan  sgoilearan  ach  beag.     Thubhairt 


am  maighistir  gu  robh  f  ior  ghainne  bidh  anns 
an  sgireachd  agus  gu  robh  na  parantan  a'  cumail 
an  cloinne  anns  an  leabaidh  gu  deich  no  aon 
uair  deug,  oir  bha  fhios  aca  na'n  eireadh  iad  na 
bu  thraithe  gu'm  biodh  iad  ag  iarraidh  bidh  agus 
gun  am  biadh  ann.  Nuair  a  dh'eireas  iad, 
bithidh  iad  'g  an  cur  a  chruinneachadh  maorach 
a'  chladaich.  Chaidh  innseadh  dhomh  nach 
robh  uiread  is  bolla  mine  eadar  na  bha  theagh- 
laichean  anns  a'  bhaile." 

Aon  sealladh  eile  air  cor  aimsireil  an  t- 
sluaigh  ;  Tha  an  t-Urramach  Cailean  Mac- 
Coinnich  a'  sgriobhadh  a  Sildeig  anns  a' 
bhliadhna  1838  :  "  Tha  e  coltach  gu'm  bi  an 
tuath  gu  h-iomlan  air  am  fuadach  a  mach  as  an 
sgireachd  so  air  an  ath  Bhealltainn  ;  tha  an 
t-aite  a'  dol  a  bhi  air  a  qhur  fo  chaoraich.  Feum- 
aidh  iad  imrich  a  dheanamh  thairis  agus  chan 
urrainn  dhaibh  sin  a  dheanamh  mur  faigh  iad 
cobhair  o'n  '  Ghovernment.'  Fhuair  sia  fichead 
's  a  deich  air  oighreachd  Thoirbheartain  ordugh 
a  bhifagail.  Tha  e  da-rireadh  muladach  a  bhi 
ag  eisdeachd  ris  a'  chaoidh  bhronaich  a  tha  na 
truaghain  a'  deanamh." 

Ur-mhisneach  agus  dochas 
B'e  sar-dhith  nan  Gaidheal  anns  a'  chas  sin 
gu'm  biodh  e  air  a  nochdadh  dhaibh  nach  robh 
iad  buileach  air  an  di-chuimhneacheadh  le  Dia 
agus  le  daoine  ;  gu'm  biodh  fhios  aca  gu  robh 
cairdean  ann  a  sheasadh  leotha  agus  a  bheir- 
eadh  cobhair  dhaibh.  B'e  sin  an  ti'odhlac  bu 
luachmhoire  a  bhuilich  muinntir  nan  sgoilean 
Gaidhlig  agus  na  buidhnean  abhaa'co-oibreach- 
adh  leotha  air  Gaidheil  na  ceud  roinn  de'n 
19mh  linn.  Dh'ung  iad  creuchdan  an  spioraid. 
Thug  iad  dochas  iir  agus  ath-nuadhachadh 
misnich  do  mhoran.  Nochd  iad  do  na  Gaidheil 
gu  robh  caomhalachd  agus  Criosdalachd  fhath- 
ast anns  an  t  -  saoghal  mhor.  Agus  gu  h- 
araidh,  thug  iad  dhaibh  an  Leabhar  agus  comas 
a  rannsachadh.  Agus  anns  an  Leabhar  sin, 
choinnich  iad  ri  Neach  a  tha  na's  dliiithe  ri 
luchd  a'  chridhe  bhriste  agus  an  spioraid  bhriiite 
na  ri  muinntir  na  h-inntinn  uabhai-raich  agus 
na  bru  shasaichte.  Bha  Caraid  a  dhith  air  na 
Gaidheil  a  sheasadh  leo  ann  an  cruaidh  theann- 
tachdan  an  t-saoghail.  Fhuair  iad  eolas  air  a 
charaid  a  leanas  na's  dliiithe  na  brathair.  An 
cois  teagasg  nam  maighistirean-sgoile  Gaidhlig, 
thoisich  dusgadh  spioradail  ann  an  iomadh 
cearn  de'n  Ghaidhealtachd,  anns  na  h-Eileanan 
a  Muigh,  anns  an  Eilean  Sgitheanach,  ann  an 
oirthir  Rois  agus  Inbhir  Nis,  agus  ann  an  aitean 
eile.  Tha  toradh  an  diisgaidh  sin  againn  anns 
a'  Ghaidhealtachd  gus  an  latha  'n  diugh.  Bha 
moran  de  luchd-oibre  eile  a'  saothrachadh  anns 
an  fhion-lios  agus  bu  mhaith  gu'n  robh.  Ach 
faodaidh  sinn  earrann  mhor  de'n  chliii  a  thoirt 
do  sheirbhisich  a'  Chomuinn  air  son  na  sgoilean 
Gaidhlig,     Cha  bhiodh  e  ceart  gu'n  dichuimh- 


TEARLACH  GRANND,  ARD-CHEANNAICHE  AGUS  NAOMH 


nicheadh  Gaidheil  an  latha  'n  diugh  na  dh- 
oidhirp  iad  agus  na  rinn  iad.  Bitheamaid  a' 
toirt  buidheachais  do  Dhia  gach  uair  a  chuimh- 
nicheas  sinn  orra. 

"  Caraid  nan  Gaidheal" 
B'e  so  an  cliu  a  thug  Tormod  Macleoid, 
"  Caraid  nan  Gaidheal,"  do  na  sgoilean  Gaidhlig. 
"Mus  deachaidh  na  sgoilean  sin  a  chur  air  bonn, 
bha  na  Biobuill  a  bha  a'  tighinn  do'n  Ghaidh- 
ealtachd  o  '  Chomuinn  a'  Bhiobuill  '  air  am 
fagail  anns  na  bocsaichean  anns  an  tainig  iad 
gun  am  fosgladh  ;    ach  o  chionn  ghoirid,  bha 


corr  is  leth-cheud  mile  Biobull  a'  dol  an  clodh  aig 
an  aon  am.  'Nuair  a  chaidh  mise  a  shuidh- 
eachadh  ann  an  sgir  Cheann-Loch  anns  a' 
bhliadhna  1808,  bha  an  Tiomnadh  Nuadh  agus 
Leabhar  nan  Salm  aig  beagan  de'n  t-sluagh. 
Cha  robh  am  Biobull  slan  ann  an  dachaidh  sam 
bith.  Ach  beagan  bhliadhnaichean  'na  dheidh 
sin,  cha  robh  tigh  anns  an  sgireachd  anns  nach 
fhaighteadh  am  Biobull.  B'e  na  sgoilean 
Gaidhlig  a  b'aobhar  do'n  atharrachadh  bheann- 
aichte  sin." 

Le  teisteanas  "  Caraid  nan  Gaidheal,"  faod- 
aidh  sinn  an  cunntas  so  a  tharruing  gu  crich. 


Tearlach  Grannd,  Ard-Cheannaiche  agus  Naomh 

Leis  an  Urhamach  Alasdair  Mac  Dhonnachaidh,  M.A.,  an  Cill  Mhailidh 
"  Chan  'eil  Granndach  an  Srath-speidh  nach  'eil  ^na  dhuine  urramach." 


ANNS  a'  bhliadhna  1509  fhuair  Iain  Og,  mac 
-morair  nan  Granndach,  fearann  air  braigh 
Ghlinn  Urchadain.  O  shliochd  an  duine  so 
thainig  na  Granndaich  a  bha  a  chomhnuidh  an 
Coire  Mhonaidh  agus  an  Seagalaidh.  Nuair 
a  bha  na  Stiubhardaich  air  am  fuadach  as  an 
rioghachd  lean  daoine  Choire  Mhonaidh  agus 
Sheagalaidh  ro-dhliith  riu,  agus  chaidh  Padruig 
Grannd  maille  r'a  mhac  Rob  do'n  chogadh,  is 
bha  e  aig  blar  Sliabh-an-t-Siorraim.  Bha  an 
treas  mac  ann  an  teaghlach  Rob  Ghrannd'na 
shaighdear  ainmeil  agus  theireadh  iad  ris  Alas- 
dair a'  Chlaidheimh.  Nuair  a  thoisich  an 
reisimeid  ris  an  abrar  Am  Freiceadan  Dubh  bha 
na  h-uile  innte  'nan  daoine-uaisle,  agus  bha 
Alasdair  a'  Chlaidheimh  air  aon  dhiubh. 

Nuair  a  thog  na  Gaidheil  bratach  Thearlaich 
Stiubhard  chaidh  Alasdair  a'  Chlaidheimh  maille 
riu.  Dh'fhag  e  a  bhean  ann  an  tigh  athar- 
ceile,  oir  bha  an  dtithaich  fo  iomgain  agus  eagal. 
Rugadh  leanabh  do  bhean  Alasdair  'san  tigh 
sin,  ann  am  baile  Allt-dubhraidh  air  taobh  deas 
Loch  Nis  anns  a'  bhliadhna  1746,  ann  am  mios 
a'  Mhairt.  Seachduin  no  dha  roimh  latha 
Chiiil-fhodair  thainig  athair  an  leinibh  agus 
deich  ar  fhichead  d'a  chompanaich  gu  Allt- 
dubhraidh  chum  an  leanabh  a  bhaisteadh. 
Chan  'eil  aithris  air  c6  am  ministear  a  bha  aig 
a'  bhaisteadh  ud,  ach  's  ann  air  doigh  iongantach 
a  thachair  e.  Tharruing  gach  gaisgeach  a 
chlaidheamh  agus  thug  iad  air  an  leanabh  a 
lamh  a  chur  air  gach  inneal  muirt  mar  gu'm 
bitheadh  e  a'  toirt  mionnan  gu'm  bitheadh  e 
dileas  gu  bas  do'n  Phrionnsa  Tearlach.  Agus 
thug  iad  Tearlach  mar  ainm  air  an  leanabh. 
'S  ann  mar  sin  a  thainig  Tearlach  Grannd  gu 
bhi  'na  oglach  do  'n  righ,  ach  's  e  Righ  na  Gloire 
a  fhuair  buaidh  air  a  chridhe  air  a'  cheann  mu 
dheireadh. 

Bha  Alasdair  a'  Chlaidheimh  air  a  leon  gu 
goirt    air    blar    Chiiil-fhodair,    agus    chaidh    a 


mhaoin  uile  a  chreachadh  le  saighdearan  Righ 
Deorsa.  Thog  mac  brathar-athar  air  do  na 
h-Innsibh  an  Ear,  far  an  do  choisinn  e  cliu  mar 
shaighdear  fo  iighdarras  Chlive,  agus  chruinnich 
e  saibhreas  mor  mar  cheannaiche.  .Thainig 
esan  air  ais  do  Lunnainn  'na  dhuine  beartach. 
Ach  chan  ann  mar  sin  a  thachair  do  dh'  Alasdair 
a'  Chlaidheimh.  Rinn  e  iomadh  oidhirp  air 
fortan  a  ghleidheadh  an  deidh  Chiiil-fhodair. 
Anns  a'  bhliadhna  1756  ghabh  e  anns  an  arm 
'na  shaighdear  ann  an  reisimeid  Ghaidhealach 
a  bha  air  a  togail  air  son  seirbhis  ann  an 
America.  Dh'fhag  e  coignear  chloinne  fo 
churam  a  mhnatha  gun  mhoran  teachd-an-tir 
aice  air  an  son.  Chaidh  Tearlach  agus  a 
phiuthar  Mairearad  gu  tigh  Iain  Ghrannd, 
brathair  Alasdair,  a  bha  'na  chis-mhaor  ann 
am  baile  Eilginn.  Bha  sgoil  mhaith  's  a'  bhaile 
sin,  agus  fhuair  Tearlach  foghlum  na  b'  fhearr 
na  bha  e  comasach  dha  f  haotainn  ann  an  Gleann 
Urchadain. 

Anns  a'  bhliadhna  1758,  a'  bhliadhna  anns 
an  do  chaochail  a  mhathair,  fhuair  e  aite  mar 
f  hoghlumaiche-ceirde  ann  an  tigh  duine  beusach 
d'  am  b'  ainm  Forsyth,  a  bha  'na  cheannaiche 
ann  am  baile  Chrombagh.  An  ceann  coig 
bliadhna  sgriobh  Iain  Grannd  litir  gu  Caiptean 
Alasdair,  an  duine  beartach  ann  an  Lunnainn, 
ag  iarraidh  cobhair  air  son  Thearlaich.  Shoir- 
bhich  le  a  iarrtas  agus  air  ceud  la  mios  a'  Mhairt 
1763  chaidh  Tearlach  air  bord  luinge  ann  an 
Inbhir-nis  air  an  rathad  do  Lunnainn,  agus  an 
deidh  ceithir  bliadhna  eile  chaidh  e'  do  na 
h-Innsibh  an  Ear. 

Anns  an  dtithaich  mhoir  sin  bha  na  ceann- 
aichean  a'  gabhail  laimhe  ann  an  ciiisean  na 
Staide,  oir  bha  e  eu-comasach  malairt  cheart 
a  dheanamh  'nuair  a  bha  comhstri  agus  cogadh 
eadar  fineachan  na  dtithcha.  Air  an  aobhar 
sin  thigeadh  na  daoine  a  bha  ann  an  seirbhis 
a'  Chomuinn-Mhalairt   anns    na  h-Innsibh   an 


SEALLADH-SIUBHAIL  AIR  AN  EIPHIT 


Ear  gu  uachdaranachd  thairis  air  sluagh  na 
tire. 

Bha  cMrdean  maith  aig  Tearlach  Grannd  ann 
am  Bengal,  agus  choisinn  e  aite  urramach  'n 
am  measg  le  obair  dhileas  agus  le  chridhe 
iom'aic.  Bha  a'  chuid  as  mo  de  na  Breatunnaich 
a  bha  a  chomhnuidh  anns  na  h-Innsibh  aig  an 
am  ud  saoghaltach  agus  sanntach,  gun  smuain 
air  nithean  spioradail  no  air  cor  nan  daoine 
bochd  a  bha  's  an  tir.  Fad  iomadh  bUadhna 
bha  Tearlach  Grannd  mar  bha  na  coimhears- 
naich  m'a  thimchioll,  deidheil  air  abhachdas 
agus  cluich  air  son  airgid,  ach  cha  b'urrainn 
neach  sam  bith  a  radh  nach  robh  e  onorach  'na 
chaitheamh-beatha.  Bha  fiachan-cluiche  trom 
air,  fichead  mile  pund  Sasunnach.  Mur  b'e  gu 
robh  e  onorach  agus  ceart  do  mhuinntir  na  tire 
a  bha  ag  obair  fodha  cha  bhitheadh  uiread  sin 
de  fhiachan  air. 

Thainig  e  dhachaidh  a  dh'Alba  ;  phos  e 
ban-Fhrisealach,  ceile  og,  ro-bhoidheach,  agus 
da  rireadh  crabhach.  Chaidh  iad  air  ais  do  na 
h-Innsibh  far  an  d'  f  huair  e  dreuchd  mar  Writer. 


Bha  iad  sona  ;  bha  iad  beartach  ;  agus  rugadh 
dhaibh  dithis  nighneag.  Nuair  a  bha  na  h-uile 
ni  a'  dol  gu  maith  leo  chaochail  an  dithis 
nighneag  ann  an  ceithir  latha  deug,  le  cholera. 
Thuit  an  athair  ann  an  doilgheas  mor  agus 
chaill  e  tlachd  ann  a  bhi  bed.  Shaoil  leis  gu'n 
do  thachair  bas  na  cloinne  anns  an  robh  a  mhor 
thlachd  tre  fhearg  Dhe  air  son  na  peacanna  a 
bha  'na  chridhe  agus  'na  bheatha.  Thuit  dor- 
chadas  mor  air  anns  nach  robh  leus  soluis.  Ach 
thug  mathair  nan  nighneag  cobhair  neo- 
chumanta  dha.  Bha  i  dha  mar  mhathair,  agus 
tre  urnuigh  agus  tre  chreideamh  threoraich  i 
e  gu  sith.  As  an  dorchadas  thainig  iad  le  cheile 
a  mach  'nan  creutairean  nuadh,  iriosal  ;  'n  am 
fireana  agus  deidheil  air  seirbhis  a  dheanamh 
ann  an  rioghachd  Dhe. 

"  Theid  sinn  agus  cogaidh  sinn  air  son  an 
Righ."  Sud  am  port  a  bha  ann  an  inntinn 
"Alasdair  a'  Chlaidheimh  air  latha  baistidh  an 
oganach  so.  Ach  bha  Righ  nan  righ  a'  feith- 
eamh  gus  am  bitheadh  a  sheirbhiseach  deas 
air  son  obair  a  rioffhachd  fein. 


Sealladh-siubhail  air  an  Eiphit  - 

Leis  an  Uhramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 


C^HAN  'eil  neach  a  thogadh  air  a'  Bhiobull 
>'leis  nach  bu  toigh  sealladh  fhaotainn  air  tir 
na  h-Eiphit  ;  agus  a  bharr  air  na  tha  am  BiobuU 
ag  innseadh  mu'n  diithaich  ud,  tha  i  iomraiteach 
anns  an  t-saoghal  uile  air  tailleamh  nan  cuimh- 
neachan  iongantach  a  tha  'n  an  seasamh  innte 
fhathast,  air  eolas,  ealain,  agus  creideamh 
mhoran  ghinealach,  a  dh'eirich  is  a  dh'aom  fad 
mhiltean  bhliadhnachan  air  nach  'eil  each- 
draidh  eile  againn.  Tha  daoine  ionnsaichte  a' 
creidsinn  gu'n  do  rugadh  Maois  mu  choig  ceud 
deug  bliadhna  roimh  latha  Chriosd  ;  agus  tha 
e  soilleir  gu'n  robh  righrean  cumhachdach  anns 
an  Eiphit  corr  is  da  mhile  bliadhna  roimh  latha 
Mhaois.  Trath  ann  an  ciirsa  a'  chinne-daonna 
thuinich  sluagh  anns  an  Eiphit  ;  agus  f  huair  iad 
tuigse  air  iomadh  por  a  chinntinn  'n  a  dailtean 
torrach,  air  chor  is  gu'n  dh'fhas  i  ainmeil  air 
son  a  pailteis  trath  'n  a  h-eachdraidh.  Ann 
an  cursa  nan  linntean,  dh'fhas  eolas  agus 
ealain  am  measg  nan  Eiphiteach  a  chuir  iad 
fad  air  thoiseach  air  uile  rioghachdan  an  domh- 
ain.  Gus  an  latha  'n  diugh,  tha  na  togal- 
aichean  a  chuir  iad  air  bonn,  araon  biorraidean 
is  teampuill,  eadar  ceithir  is  coig  mile  bliadhna 
air  ais,  'n  an  aobhar  ionghnaidh  do  na  h-uile. 
A  thaobh  am  meud,  chan  fhacas  an  coimeas 
anns  an  t-saoghal  uile  ;  ach  a  thuilleadh  air 
am  meud,  tha  iad  a'  foillseachadh  innleachd 
clachaireachd,  snaithidh,  agus  dealbhaidh,  nach 
'eil  fada  gearr  air  iomlaineachd  nan  Greugach, 
agus  sin  eadar  aon  is  da  mhile  bliadhna  air 
thoiseach  air  a'  Ghreig. 


An  Abhainn 

Cha  bhi  duine  fada  's  an  Eiphit  gus  am 
mothaich  e  ni  nach  tuig  e  ro  dheas  le  amharc 
air  clar-deilbhe  na  duthcha,  'se  sin,  cho  caol 
is  a  tha  na  bheil  uaine  dhi.  Eadar  Alexandria 
is  Cairo,  anns  an  Delta,  far  am  bheil  cuislean 
na  h-aibhne  a'  sgaoileadh  air  feadh  na  duthcha 
mu  'n  ruig  iad  an cuan,  tha deagh  f  harsuingeachd 
innte,  a'  ruigheachd  suas  ri  da  cheud  mile. 
Ach  eadar  Cairo  is  Assuan,  astar  mu  shia  ceud 
mile,  chan  'eil  leud  na  diithcha  uaine,  thorraich, 
a'  dol  OS  cionn  thri  mile  deug  ;  agus  tha  moran 
dhi  na's  caoile  na  sin.  Mu  shia  mile  air  gach 
taobh  de  'n  abhainn,  tha  eifeachd  nan  uisg- 
eachan  a'  tionndadh  an  fhasaich  'n  a  gharadh  ; 
ach  far  nach  ruig  an  t-uisge,  chan  'eil  ach 
gainmheach  odhar,  cho  fada  's  a  chi  an  t-suil. 
Cuiridh  am  fasach  ud  eagal  air  duine  nach  f  haca 
a  leithid  riamh,  tha  e  cho  trom,  ciar,  clachach, 
marbh,  mar  gu'n  deachaidh  a  mhallachadh  le 
corruich  o'n  aird.  Ann  am  broinn  na  dithreibh 
so,  tha  an  fhior  Eiphit  air  gach  taobh  de  'n 
abhainn.  Shamhlaicheadh  i  uair-eigin  ri  lili 
le  a  bun  aig  Assuan,  a  coinnlein  caol,  fada  a' 
sineadh  gu  Cairo,  agus  a  barr  a'  sgaoileadh 
eadar  sin  is  an  cuan. 

Tha  toradh  na  diithcha  'g  a  ghiiilan  sios  is 
suas  air  an  abhainn,  co  dhiubh  a'  chuid  is  motha 
dheth  ;  agus  an  corr  is  cabhagaiche  air  an 
rathad-iaruinn  ri  taobh  na  h-aibhne,  no  ann  an 
carbadan-ola,  mar  a  tha  againn  fein.  Buinidh 
spiorad  na  h-Eiphit  do'n  Aird-an-Ear  ;  chan 
'eil  iad  furasda  an  greasadh  ;    oir  tha  an  t-sid 


SEALLADH-SIUBHAIL  AIR  AN  EIPHIT 


maith  am  bitheantas  ;  agus  is  toigh  leo  an 
seann  doighean  fein.  Mar  sin,  tha  iad  foidhid- 
inneach  ri  bataichean-bathair,  a  tha  'g  am 
frithealadh  eadar  na  bailtean  beaga  a  tha  gl6 
lionmhor  ri  taobh  na  h-aibhne.  Is  e  sealladh 
gle  thlachdmhor  a  tha  anns  an  luingeas  ud  le'n 
siiiil  gheala,  leathann,  chrom,  a'  gluasad  cho 
reidh,  samhach,  proiseil  ri  ealachan. 

Goslas  bochdainne 

A  thaobh  suidheachaidh  agus  coslais  an  t- 
sluaigh  feadh  na  diithcha,  cha  chreid  mi  gu 
bheil  iad  am  bitheantas  ach  gle  thruagh.  Tha 
a'  mhor  ehuid  dhiubh  ag  oibreachadh  an  f  hear- 
ainn  ;  ach  tha  e  soilleir,  a  dh'aindeoin  torr- 
aicheas  na  duthcha,  nach  'eil  an  saothair  ro 
bhuanachdail  dhaibh.  Chan  fhaca  mi  tuath 
ag  amhare  cho  acrach,  neo-fhallain,  agus  dibUdh 
riu.  Tha  moran  fiabhruis  is  doille  'n  am  measg  ; 
is  chan  'eil  an  clann  a'  faotainn  dad  is  f  hiach  de  - 
fhoghlum  ach  anns  na  bailtean.  Chan  'eil  aca 
ach  bothagan  truagha  de  thighean  ;  agus  tha 
iad  air  dhroch  eideadh.  Is  cinnteach  gur  e  a' 
bhochduinn  chruaidh  is  priomh  aobhar  uiread 
dhiubh  a  bhi  'n  am  baigeirean  cho  dian.  Cha 
luaithe  a  chi  iad  luchd-turuis  na  ehruinnieheas 
iad  mu'n  timchioU  'n  an  dusain,  is  an  lamhan 
sinte  riu  ag  iarraidh  airgid.  Chan  'eil  an  naire 
is  lugha  orra  de'n  bhleid  chruaidh  so  feadh  na 
diithcha  gu  leir.  Feumaidh  luchd-turuis  a  bhi 
fo  dhion  fir-iiiil  Eiphiteach,  ma  tha  iad  a'  dol  a 
dh'fhaotainn  cead  an  rathaid,  gun  a  bhi  air  an 
claoidh  is  air  an  spiiinneadh.  Cha  mhor  nach 
ceannach  air  seallaidhean  na  h-Eiphit  na  dh' 
fhuilingear  de  dhragh  a'  diultadh  na  deirce. 
Their  cuid  d'an  luchd-diithcha  fein  gur  e  sannt, 
aineolas,  agus  cleachdadh  na's  mo  na  cion,  a 
tha  'g  'an  deanamh  'n  am  bleideirean  cho 
gionach.  Co  dhiubh,  tha  iad  ag  amhare  air  a' 
choigreach  mar  dhuine  Ian  saoibhreis  agus  mar 
chreich  dhlighich. 

Na  Biorraidean 

Tha  sinn  uile  eolach  air  dealbhan  nam  biorr- 
aidean (Pyramids)  agus  na  Sphings.  Theag- 
amh  gu  bheil  moran  de  'n  bheachd  nach  'eil 
anns  an  Eiphit  ach  an  tri  de  'n  t-seorsa  togail 
ud,  a  chithear  mar  is  trice  ann  an  leabhraichean. 
Chan  ann  mar  sin  a  tha  ;  oir  ged  is  iad  sud  is 
motha  na  'n  corr,  tha  mu  dheich  is  tri  fichead 
biorraid  bheag  is  mhor  feadh  na  tire.  Chan 
'eilfhios  c6  a  thoisich  air  an  togail  mar  thighean- 
tasgaidh  do  na  mairbh,  ach  b'  e  righrean  na 
duthcha,  dliith  air  toiseach  a  h-eachdraidh,  a 
ehuir  suas  na  feadhainn  mhora  air  an  son  fein, 
an  uair  a  chaochaileadh  iad.  Ann  an  cridhe 
gach  biorraid  mhor,  tha  seomar  anns  an  robh 
corp  an  righ  air  a  ghlasadh  ann  an  ciste  de 
ghranit,  air  a  snaitheadh  gun  mheang,  agus  air 
a  liomhadh  cho  sleamhuinn  ri  gloinne  ;  agus  an 
dara  cuid,  anns  an  t-seomar  so,  no  ann  an  seom- 


raichean  eile  lamh  ris,  bha  iad  ag  adhlacadh 
gach  airneis  luachmhor  air  an  robhtar  a'  creid- 
sinn  gu'm  bitheadh  feum  aig  an  righ  ann  an 
saoghal  nam  marbh.  Mar  sin,  dh'fheuch  na 
ceud  righrean  ri  daingnichean  tearuinte  a 
shuidheachadh,  16s  nach  ruigeadh  meirlich  air 
an  innsridh  aca.  B'e  sin  ceud  aobhar  nan  togal- 
aichean  ud  ;  ach  tha  e  soilleir  gu'n  robh  iad 
air  an  ciallachadh  mar  chuimhneachain  mar  an 
ceudna  air  morachd  is  cumhachd  nan  seann 
righrean.  Tha  biorraid  Cheops  seachd  ceud 
is  leth-cheud  troidh  de  fhad  air  a'  ghrunnd  air 
gach  taobh  d'a  ceithir  taobhan  ;  tha  i  ceithir 
cheud  is  leth-cheud  troidh  a  dh'airde  ;  agus 
tha  i  a'  comhdachadh  mu  thri  acraichean  deug 
de  ghrunnd.  Thig  dha  no  tri  eile  faisg  oirre 
ann  am  meudachd.  Cha  bu  bheag  am  beachd 
orra  fein  a  bha  aca-san  a  chuir  air  bonn  ciiirn 
anns  am  bheil  de  chlachan  na  thogadh  baile 
euimseach. 

Eagal  nam  meirleach 

Is  docha  nach  robh  fhios  ach  aig  oifigich 
araidh  c'ait  an  robh  an  dorus  a  bha  a'  leigeil  a 
stigh  do'n  bhiorraid  ;  oir  bha  e  air  fhalach  gu 
ciiramach.  An  deidh  an  doruis,  bha  an  t-slighe 
air  a  deanamh  cho  cam,  mealltach  is  gu'n 
cuireadh  i  duine  gun  holas  air  chall  ann  am 
broinn  na  h-aitreibh  ;  bha  i  a'  dol  gach  rathad 
ach  far  an  robh  an  ulaidh.  Ach  a  dh'aindeoin 
ga,ch  saothrach  is  seoltachd,  fhuair  na  spuinn- 
eadairean  a  dh'ionnsaidh  nan  seomar  fhalach- 
aidh  ;  agus  cha  d'fhag  iad  bior  de  'n  airneis 
annta.  Cha  mhotha  a  chaomhain  iad  na 
cuirp  rioghail ;  oir  an  uair  a  dh'f  hosgladh  na 
seomraichean  le  iighdarras  anns  na  linntean  so 
chaidh  seachad,  cha  d'fhuaradh  annta  ach  na 
cisteachan-cloiche  falamh.  Tha  e  duilich  a 
chreidsinn  gu'n  do  thachair  so  gun  fhios  do  na  j 
h-oifigich  ;  is  coltaiche  gu'm  b'  iadsan  an  dara 
cuid  a  reic  an  eolas  ri  meirlich,  no  a  rinn  an 
spiiinneadh  iad  fein.  Theirear  gu'n  dean  an 
gaol  fanoid  air  na  glasan  :  rinn  gaol  am  beartais 
fanoid  nach  beag  air  glasan  sheann  righrean  na 
h-Eiphit. 

Chan  'eil  cinnt  an  do  thuig  an  oighreachan 
nach  robh  earbsa  ri  chur  anns  na  togalaichean 
mora  ud,  no  am  b'  ann  air  son  na  bu  lugha 
dragha  is  costuis  a  rinn  iad  e  ;  ach  co  dhiubh, 
sguir  iad  d'  an  togail,  agus  thoisich  iad  air 
tighean-taimh  de  sheors'  eile  ullachadh  fo'n 
talamh,  a  stigh  gu  fada  ann  am  broinn  nan 
creag,  seomraichean  mora,  briagha,  air  an 
gearradh  as  an  ailbhinn,  am  ballachan  comh- 
daichte  le  sgriobhaidhean  samhlachail  ag  inns- 
eadh  an  eachdraidh,  agus  le  dealbhan  air  na 
diathan  neonach  anns  an  robh  iad  a'  creidsinn.    ; 

Tutankamein 

Tha  ruith  de  bheanntan  riiisgte,  glasa,  nach 
'eil  ro  ard,  anns  an  fhasach  dliith  air  laraich  an 


SEALLADH-SIUBHAIL  AIR  AN  EIPHIT 


t-seann  bhaile,iomraitich,  d'  am  b'  ainm  Thebes ; 
agus  tha  gleann  caol  a'  sniomh  a  steach  'n  am 
measg  ris  an  canar  "  Gleann  nan  Righ,"  a 
chionn  gur  ann  an  so  a  tha  a'  mhor  chuid  dhiubh 
air  an  adhlacadh.  Dh'fhosgladh  na  h-uiread 
de  na  tighean  diomhair  so  anns  na  hnntean 
deireannach  againn  ;  ach  a  mach  o  aon  dhiubh 
a  mhain,  cha  robh  ni  air  fhagail  annta-san  na 
bu  mhotha  ach  cisteachan-cloiche  nam  marbh, 
agus  na  bha  air  na  ballachan  de  eaehdraidh  is 
de  dhealbhan ;  oir  thachair  an  so  direach  mar 
a  thachair  aig  na  biorraidean  ;  's  e  sin,  gu'n  do 
rainig  na  robairean  orra,  a  dh'aindeoin  ciiraim 
nan  righ  is  cruas  nan  creag.  Ach  mar  a  tha 
fhios  aig  an  t-saoghal,  dh'fhag  iad,  ged  nach 
b'  ann  le  'n  deoin,  aitreabh-thaimh  Thutan- 
kamein  gun  a  spuinneadh.  Bha  iad  aice 
cuideachd  ;  oir  tholl  iad  am  balla  ;  ach  b' 
fheudar  dhaibh  teicheadh,  air  neo  bha  iad  air 
an  glacadh,  mu'n  d'fhuair  iad  na  b'  fhaide. 
Dhunadh  is  sheulaicheadh  an  t-aite  a  rithist  ; 
thuinich  a  ghainmheach  thairis  air  ;  agus  mhair 
e  mar  sin  fad  nan  Hnntean,  gus,  dorlach  bhUadh- 
nachan  air  ais,  an  d'amais  Tighearna  Char- 
narbhoin  agus  Howard  Carter  air,  an  deidh  a 
bhi  a'  burach  le  feachdghilleanfad  shia  bliadhna. 
Cha  b'  ionghnadh  ged  a  bha  uiread  fuaime  mu 
'n  ghnothuch  ;  oir  b'e  sud  an  aon  fhear  de  uile 
righrean  na  h-Eiphit  a  fhuaradh  direach  mar 
a  chaidh  a  chur  'n  a  thigh-mairbh,  agus  air  a 
chuairteachadh  lejs  gach  airneis  riomhach, 
cathraichean,  biiird,  leabaidhean,  soithichean, 
bataichean,  innealan-cluiche,  agus  gach  beairt 
air  an  saoileadh  e  gu'm  bitheadh  feum  aige  ann 
an  saoghal  nam  marbh.  Chithear  an  ulaidh 
ud  uile  ann  an  tigh-tasgaidh  ann  an  Cairo  ;  ach 
chithear  coslas  an  righ  fein  far  an  d'f  huaireadh 
e,  'n  a  shineadh  anns  a'  chiste-mhairbh  'n  a 
thigh-taimh  anns  a'  charraig.  Chan  'eil  fhios 
agamsa  an  ann  de  umha  a  tha  a  cholunn  ud  air 
a  cumadh  ;  ach  is  e  mo  bheachd  gur  ann.  Tha 
i  'na  luidhe  os  cionn  na  f  ior  choluinn  a  tha  suainte 
a  reir  gnaths-adhlaic  na  diithcha.  Chan  'eil 
coslas  mairbh  oirre  idir,  ach  coslas  duine  a' 
gabhail  foise,  na  suilean  fosgailte  a'  geur- 
amharc  suas  mar  gu'm  bitheadh  fiughair 
imcheisteach  aige  ri  sealladh  mor.  Tha  e  gle 
iongantach  a  bhi  a'  sealltuinn  air  pearsa  an 
rfgh,  a  tha  cho  coltach  ri  duine  beo  is  gun 
saoilear  gu  bheil  e  a'  dol  'g  ar  n-6rduchadh  a 
mach  as  fhianuis,  an  uair  a  chuimhnichear  gu 
bheil  mu  thri  mile  is  tri  cheud  bUadhna  o  na 
leagadh  e  an  sud. 

Cumhachd  is  Creideamh 

Nach  iomadh  car  is  caochladh  a  thainig 
air  an  t-saoghal  o'n  aimsir  ch6'm  ud  !  Ma 
bha  sluagh  idir  anns  an  diithaich  againne 
cho  trath  sud,  cha  robh  annta  ach  daoine 
borb,  air  bheag  eolais,  ealain,  agus  riaghailt. 


Ach  bha  Pharaoh  air  cheann  iompaireachd 
mhoir,  a  bha  a  ruigheachd  eadar  Siria  is 
Etiopia  ;  agus  bha  e  air  a  chuairteachadh  le 
greadhnachas  rioghail  'n  a  bheatha  is  'n  a 
bhas,  a  tha  a'  cur  ionghnaidh  air  an  t-saoghal 
fhathast.  Gu  sonruichte,  tha  e  a'  deanamh 
saoraidh  Israeli  a  laimh  righ  na  h-Eiphit 
eadhon  na's  miorbhuiliche  na  tha  am  Biobull 
a'  foillseachadh.  Da  rireadh,  cha  bu  lugha  na 
cumhachd  Dhe  a  bhriseadh  ceanglaidhean  an 
daorsa,  gun  fhuaim,  gun  arm,  agus  a  dh'  fhos- 
gladh  slighe  rompa,  troimh  fhasach  is  uisge,  a 
dh'  aindeoin  cumhachd  Pharaoh. 

Tha  gnaths-adhlaic  nan  seann  Eiphiteach  a' 
foillseachadh  aoin  ni  os  cionn  a'  chorr,  's  e  sin, 
cho  laidir  is  a  bha  an  creideamh  ann  an  neo- 
bhasmhorachd  mhic  an  duine.  An  uair  a  dh' 
fhagadh  e  an  saoghal  so,  cha  robh  e  ach  a'  dol 
air  imirc  do  shaoghal  eile,  far  an  robh  breith- 
eanas  roimhe  ann  am  fianuis  an  de  Osiris. 
Na  'n  seasadh  e  am  breitheanas,  bha  deagh 
chiirsa  air  thoiseach  air.  Ach  bhitheadh  e  a' 
pilltinn  o  am  gu  am  a  dh'  ionnsaidh  na  seana 
choluinn  anns  an  tigh-taimh,  mar  gu'm  bitheadh 
dochas  aige  ri  a  h-aiseirigh.  Chan  fhaod  nach 
b'ann  air  a  leithid  so  de  chreideamh  a  bha  iad 
a'  gabhail  a  leithid  de  dhragh  agus  a'  caitheamh 
uiread  maoin  fad  am  beatha  ri  tighean-adhlac- 
aidh  uUachadh  dhaibh  fein  ;  agus  ri  bhi  a' 
dionadh  a'  chuirp  o  thruaillidheachd  le  ealain 
na  spiosraidh.  Am  measg  an  dorchadais 
spioradail  anns  an  robh  iad  air  seachran,  nach 
robh  greim  cumhachdach  aig  firinnean  luach- 
mhor  orra  mar  an  ceudna  ? 

Eaglais  nan  Coptach 

Bha  an  Eiphit  am  measg  nan  ceud  dhiith- 
channan  anns  an  robh  soirbheachadh  mor  aig 
a  chreidimh  Chriosduidh  an  toiseach  ;  agus 
lean  a'  chilis  mar  sin  fada  suas  ri  ceithir  cheud 
bliadhna.  Ach  chaill  i  an  cliii  a  choisinn  i 
feadh  nan  linntean  ud  ;  oir  thuit  i  fo  smaig  nan 
Arabianach  an  toiseach,  agus  nan  Turcach  'n 
an  deidh.  Is  e  an  cinneach  Arabianach  is  mor- 
chuid  d'  a  sluagh  an  diugh  ;  ach  tha  mu  thim- 
chioll  muillein  (a  mach  a  sia  muillein)  Choptach 
'n  am  measg.  Is  iadsan  siol  nan  seann  Eiphi- 
teach ;  is  tha  a'  mhor-chuid  aca  ag  aideachadh 
a'  chreideamh  Chriosduidh.  A  thuilleadh  air 
sin,  tha  cliii  ard  aca  air  son  eolais,  gliocais, 
earbsaidheachd,  agus  onair  ;  agus  do  bhrigh 
sin,  tha  moran  laimhseachaidh  aca  anns  an 
diithaich,  rud  nach  toigh  leis  na  h-Arabianaich. 
Ann  an  te  de  'n  eaglaisean  ann  an  Cairo,  air  am 
bheil  moran  de  chomharran  na  h-aoise,  chaidh 
sinn  sios  staidhir  fo  'n  iirlar  a  dh'  fhaicinn  seorsa 
de  uaimhe,  bhig,  fhrogaich,  thairis  air  an  do 
thogadh  an  eaglais  an  toiseach  ;  oir,  a  reir 
beul-aithris,  b'e  an  uaimh  ud  aite-comhnuidh 
An  Teaghlaich  Naoimh  am  feadh  is  a  bha  iad 


8 


AN  CRANN-CEUSAIDH— OBAIR  NA  SAORSA 


am  falach  anns  an  Eiphit.  Is  docha  nach  d' 
eirich  an  aithris  gun  aobhar.  Chan  'eil  anns 
an  uaimh  ach  sgor  air  bheag  tlachd  ;  ach.  tha 
sin  a'  comh-chordadh  ris  an  naidheachd.  Air 
learn  gu'n  robh  sinn  uile  a'  faicinn  far  comhair 
ann    an   dubharachd   na   h-uaimhe    Muire    'na 


suidhe  air  cloich  a'  breugadh  a  leinibh  phriseil 
'n  a  h-uchd,  is  loseph  air  ais  is  air  aghaidh  a' 
frithealadh  dhaibh.  Tha  mi  ag  aideachadh  gu'n 
d'  fhuair  mi  barrachd  solais  ag  amharc  air  an 
fhroig  dhiblidh  ud  fo  iirlar  na  h-eaglais  na 
fhuair  mi  aig  bonn  biorraid  mhoir  Cheops. 


An  Crann-Ceusaidh 


Le  Niall  Mac  Gill-eathain,  an  Glaschu 


0. 


FAIC  an  t-Uan  's  e  air  a'  chrann 
'A'  fulang  air  ar  sgath, 
Chum  's  gu'm  biodh  clann  a'  chinne-daonn' 
O'm  peacadh  saor  a  ghnath  ; 
O  seall  am  pian  tha  dol  troimh  'chom 
Is  fallus  craidh  bho  cheann  ; 
Tha  fhuil  a'  dortadh  thun  an  lair 
Bho  chasan  's  bho  dha  laimh. 

Mac  Rioghail  Dhe  bu  chruaidh  a  staid 

Le  naimhdeas  sluagh  na  tir, 

Mar  ghaduich  crochte  suas  air  crann, 

Crann-ceusaidh  Chalbhari  ; 

O  !  's  muladach  a  bhuin  iad  ris, 

Aon-taghte  Dhe  gun  lochd  ; 

Ach  bha  sud  roimh-oi'duichte 

A  shaoradh  saoghal  bochd. 

O  faic  e  'n  uair  a  dh'iarr  e  deoch 
Mar  shin  iad  dha  geur-fhion, 
Is  crtin  a'  mhagaidh  air  a  cheann 
Gu  cruaidh-chridheach  leiff  iad  sios  ; 


Chuir  saighdear  claidheamh  stigh  'n  a  fheoil, 

Is  smugaidich  le  tair, 

Ach  sheas  Mac  Dhe  gach  uile  spors, 

'S  cha  d'  ghearain  e  'n  a  chradh. 

4.  Nuair  dh'iarr  iad  air  e  thighinn  a  nuas 
'G  a  shaoradh  fhein  o  phian, 

'S  ann  thuirt  e,  "  Biodh  do  thoil-sa  Dhe 

'S  chan  e  mo  thoil-se  deant'  ; 

O  Athair  !  thoir  dhaibh  maitheanas 

Air  son  an  gniomh-san  rium  ; 

Chan  aithne  dhaibh  cia  mor  mo  ghradh, 

Mo  ghaol-sa  dhaibh  's  mo  shuim." 

5.  Gu'n  dhorchnaich  an  speur  le  neul, 
'S  air  gach  neach  eagal  dh'fhas, 

'Nuair  chrom  e  cheann  's  nuair  leig  e  'n  deo  ; 
O  !  fhuair  mo  Shlanuighear  bas  ; 
Brat-roinn  an  teampuill  reub  gu  bras 
'S  air  ainmhidh  's  sluagh  bha  fuath, 
Ach  fhuair  ar  Tighearna  'n  a  bhas 
Lan  iighd'rras  agus  buaidh. 


Obair  na  Saorsa 


Leis  an  Urramach  Seumas  Mac  Griogair 


c 


I A  maiseach  obair  saoraidh  Dhe, 
Cia  ciatach  i  's  gach  ceum  ' 


Cia  mor  an  gaol  's  cia  maireann  buan, 

Thug  Dia  d'a  shluagh  gu  leir ! 

D'a  ghradh  dhaibh  cha  robh  toiseach  riamh, 

'S  cha  tig  air  crioch  am  feasd ; 

Ta  iomadh  comharr'air  ro  ard, 

Ro  alainn  is  ro  dheas. 


2.   'S 


e   ghradh    thug   dhaibh    'san   t-Soisgeul 
Criosd , 
Sar-thiodhlac  tha  do-luaidh ; 
Is  creideamh  leis  an  gabh  iad  e, 
Sar-inneal  seimh  nam  buadh  : 
Is  maille  ris-san  lanachd  grais, 
Nach  traigh  a  chaoidh  nan  cian  ; 
vO'm  faighear  pailteas  dhaibh  gu  \6ir, 
Os  cionn  am  feum  's  am  miann. 


3.   'S  e  Criosd  an  fhionan  's  tusa  gheug, 
Ris  fein  an  ceangal  dliith  ; 
Na's  dltiith'  na  geug  bha  riamh  an  eraoibh,    j 
A  dh'fhas  an  coill  o  thus  ; 
'S  ann  uaith  a  gheibh  thu  siigh  is  brigh, 
Bheir  sineadh  dhuit  is  fas  ; 
Do  chum  gu'n  toir  thu  toradh  uait, 
Le  buaidh  chum  cliu  a  ffhrais. 


Clach-chinn  na  h-oisinn  e  'n  tigh  Dhe, 

'S  e  fein  an  f  hior  chlach-bhuinn ; 

'S  e  snas  na  h-aitribh  e  gu  leir, 

O'n  steidh  gu  ruig  a  druim  : 

Mar  chlachaibh  beo  theid  thus'  is  each, 

A  charadh  suas  'n  a  thaic  ; 

Chum  fas  'nur  teampull  bithbhuan  breagh, 

A  bhios  do'n  triath  'n  a  thlachd. 


i 


Aireamh   ii 


938 


Gloir  an  t-saoghail 


./</(/.<  fhiKiir  Joseph  has,  agu^  e  ceud  agus  deidt.  bliadlina  dh'aolx  ;  agus  chu/'r  iad  spmsraidh  air,  agus 
rlmireadh  ann  an  riste-mhairhh  e  '«  an  Eiphlf." — Genesis  1.  26. 


/  IHUIREADH  ann  an  ciste-mhairhh  e  !  Cha 
^'i-obh  a  bheag  de  dhaoine  anns  an  t-saoghal 
rianih  a  bha  cho  ainmeil  ri  Joseph,  no  dh'eirich 
gu  inbhe  cho  ard,  ach  ged  fhuair  e  saoghal  fada 
agus  ged  shuidh  e  ann  an  cathair  ard,  be  a' 
chrioch  a  bha  aige  mu  dheireadh,  gu'n  do 
chuireadh  ann  an  ciste-mhairbh  e.  Sin  a' 
chrioch  a  bhios  aig  na  h-uile  ;  air  cho  domhain 
no  chc'  teann  's  'g  an  sgaoil  iad  ani  freumhan 
anns  an  t-saoghal  so,  is  goirid  an  uine  gus  an 
spionar  ani  freumhan  as  am  bun.  Diomhanas 
nan  diomhanas  !  ars  an  searmonaiche  :  is 
diomhanas  na  h-uile  nithean.  Sii;bhlaidh  an 
saoghal  seachad,  agus  'ana-miann,  ach  an  ti  a 
ni  toil  Dhe,  mairidh  e  chaoidh. 

Tha  cunntas  na's  fhaide  air  a  thoirt  air  beatha 
agus  obair  loseiph  anns  a'  Bhiobull  na  tha  air  a 
thoirt  air  beatha  duine  air  bith  eile,  is  theagamh 
gur  e  an  t-aobhar  gum  bu  mhaith  leis  an  fhear  a 
sgriobh  leabhar  Ghenesis  morachd  agus  cumh- 
achd  loseiph  a  nochdadh  gu  soilleir  do'n  t- 
saoghal  ;  ach  ged  bha  Joseph  mor  agus  cumh- 
achdach  cha  do  chiim  sin  am  bas  air  falbh 
bhuaith  ;  agus  air  a'  cheann  mu  dheireadh  b' 
ionnan  a  dh'eirich  dha  agus  mar  dh'eirich  don 
diol-deirce  a  bu  truaighe  anns  an  Eiphit. 

O  dhuine  th'  air  do  bhreith  le  mnaoi  cia  tearc  is  truagh 
do  laith  'n  ! 
I  O'n  dusiacii  thainig  thu,  is  ttieid  gu  d'  dtiuslacii  fein 
I  gun  dail. 

Ar  laithean  air  an  aireamh  ta,  's  gun  tamh  a'  gabiiail 
!  seach  ; 

!   Is  goirid  gus  an  tig  an  uair,  a  ni  do'n  uaigii  ar  teacti. 

I  Nithean  maireannach 

{       Mu  iomadh  rud  anns  an  t-saoghal  faodaidh 

j   sinn  a  radh,  "  bu  mhaith  so  na'm  maireadh  e." 

1   Ach  cha  mhair  iad.     Tha  na  nithean  a  chithear 

j   aimsireil,  is  e   na   nithean   nach   faicear   a   tha 

]  siorruidh  ;   Dia,  agus  Fhacal,  agus  a  Rioghachd. 

■      Mairidh    Dia  ;    is  ann    aige-san    'n    a    aonar 

j  a    tha    neo-bhasmhorachd.     "  Leag    thusa,    a 

I  Thighearna,  bunaitean  na  talmhainn  air  tiis  ; 

1   agus  is  iad  na  neamhan  oibre  do  lamh  :  teirgidh 

1   iadsan,   ach    mairidh    tusa  ;    agus   fasaidh    iad 

uile    sean    mar    eudach  ;     agus    fillidh    tu   iad 

mar    bhrat,    agus    caochlaidhear    iad  :     ach    is 

I   tusa    an   ti    ceudna,    agus    chan   fhailnich    do 

I    bhliadhnachan." 

I  Mairidh  Facal  Dhe,  an  coimhcheangal  siorr- 
I  uidh  a  rinn  e  ri  shlua^h.  "Tha  each  uile  fheoil 
)  mar  theur,  agus  uile  ghloir  dhaoine  mar  bhlath 
j   an  fheoir.     Seargaidh  am  feur  agus  tuitidh  a 


bhlath  dheth,  ach  fanaidh  facal  an  Tighearna 
gu  siorruidh." 

Mairidh  a  rioghachd,  agus  a  shluagh  anns  a 
bheil  siol  agus  beatha  na  rioghachd.  "  Chk 
bhiadh  agus  cha  deoch  rioghachd  Dhe,  ach 
fireantachd,  agus  sith,  agus  aoibhneas  anns  an 
Spiorad  Napmh." 

Ach  ged  chuireadh  Joseph  ann  an  ciste- 
mhairbh  anns  an  Eiphit  cha  do  thiodhlaiceadh  e 
anns  an  Eiphit,  oir  thug  e  air  a  theaghlach 
mionnachadh  nach  biodh  a  dhuslach  air  fhagail 
ann  an  tir  choimhich,  ach  gu'n  giiilaineadh  iad 
a  chnamhan  do  thir  a'  gheallaidh,  nuair  a  rach- 
adh  iad  suas  ann.  "  Tre  chreideamh,"  tha  am 
fear  a  sgriobh  an  litir  chum  nan  Eabhruidheach 
ag  radh,  "  rinn  Joseph  iomradh  air  dol  a  mach 
chloinn  Jsraeil,  agus  thug  e  aithne  mu  thimchioll 
a  chnamh." 

A71  dbighean  dlomhair  gluaisidh  Dia 
Thoirt  'iongantais  mu'n  cuairt. 

Bha  freasdal  an  Tighearn  a'  gabhail  ciiraim 
do  chnamhan  a  sheirbhisich,  oir  fada  fada  an 
deidh  dhaibh  a  chur  anns  a'  chiste-mhairbh  is 
e  freasdal  an  Tighearn  a  shaor  an  leanabh 
Maois  o  bhi  air  a  lathadh  no  air  a  bhathadh 
anns  an  abhainn,  an  leanabh  a  bha  air  a  shon- 
ruchadh  'na  rim  siorruidh  gu  bhi  'na  cheann-iiiil 
agus  na  uachdaran  do  chloinn  Jsraeil  chum  an 
treorachadh  do  thir  a'  gheallaidh. 

Ann  an  leabhar  Ecsodus  tha  e  air  a  radh, 
"  Agus  thug  Maois  cnamhan  loseiph  leis  "  ;  is 
fad  da  fhichead  bliadhna  bha  iad  air  an  giiilan 
re  an  turuis  troimh  'n  f  hasach  gus  an  robh  iad 
mu  dheireadh  air  an  adhlaiceadh  ann  an  Secheni 
ann  am  mir  fearainn  a  cheannaich  Jacob  o 
mhacaibh  Hamoir  air  son  ceud  bonn  airgid. 

Dochas  agus  dachaidh 

Cho  fad  's  a  bha  i  'n  an  sealladh  bha  a'  chiste- 
mhairbh  ud  ag  radh  ri  cloinn  Jsraeil  anns  an 
Eiphit,  Chan  e  so  'ur  dachaidh.  Theagamh  gu 
robh  moran  dhiubh  toilichte  gu  leor  leis  an 
Eiphit  far  an  robh  fearann  maith  agus  biadh 
pailt,  agus  far  am  faodadh  iad  a  radh  r'  an  anam, 
"  Ith,  ol,  agus  bi  subhach."  Ach  nuair  a  bhiodh 
an  coguis  a'  fas  maol,  agus  iad  fein  a'  fas  trom 
agus  cadalach  chuireadh  aon  sealladh  de'n 
chiste-mhairbh  ud  bior  'n  an  coguis,  is  theireadh 
iad  riu  fein,  Eireamaid,  is  rachamaid  suas  a  so, 
oir  chan  e  so  ar  dachaidh.     Gus  an  la  an  diugh 


GLOIR  AN  T-SAOGHAIL— ANN  AM  BHRUADAIR 


nach  trie  a  tha  sealladh  de  cliiste-mhairbh  aims 
a  bheil  caraid  caomh  'na  shineadh  a'  tarruing 
inntinn  agus  aire  dhaoine  gu  saoghal  no  gu 
dochas  a  bha  iad  a'  dichuimhneachadh  ! 

A  thuilleadh  air  sin  bha  a'  chiste-mhairbh 
ud  'na  barantas  do  chloinn  Israeil  gu'm  fios- 
raicheadh  Dia  iad,  agus  gu'n  saoradh  e  iad,  oir 
thubhairt  Joseph  riu,  "  Gu  cinnteach  amhair- 
cidh  Dia  oirbh,  agus  bheir  e  mach  sibh  as  an 
fhearann  so  do'n  fhearann  a  mhionnaich  e  do 
Abraham,  do  Isaac,  agus  do  lacob,"  Chaidh 
iomadh  bliadhna  seachad  gun  an  gealladh  sin  a 
bhi  air  a  choimhHonadh,  ach  ged  bha  an  iiine  air 
fas  cho  fada  mu  dheireadh  's  gu  robh  iad  am 
impis  an  gealladh  agus  an  dochas  a  dhichuimh- 
neachadh  uile  gu  leir,  bha  rud-eigin  'g  an  cumail 
dileas  do'n  bhoid  a  thug  iad  do  loseph,  is  cha 
do  thiodhlaic  iad  riamh  a  chnamhan  anns  ah 
Eiphit. 

Cha  ghabh  am  bas  seachnadh 
Ann  am  beatha  mhic  an  duine  tha  aite  aig  a' 
chiste-mhairbh  mar  tha  aite  aig  a'  chreathaill  ; 
aite  aig  a'  bhas  cho  maith  's  a  tha  aig  breith. 
Chan  'eil  ann  am  breith  no  ann  am  bas  mhic 
an  duine  ach  ceum  o  aon  aite-comhnuidh  ann 
an  tigh  ar  n-Athar  gu  aite-comhnuidh  eile. ,  An 
uair  a  bha  an  duine  gasda  ud,  Iain  Quinsy 
Adams,  Ard-riaghlair  America,  ceithir  fichead 
a  dh'aois  thachair  caraid  ris  aon  la  air  an  t- 
sraid,  a  thubhairt  ris,  "  Ciamar  a  tha  Mghr 
Adams  an  diugh  ?  "  "  O,"  afs  esan,  "  tha  Mghr 
Adams  gu  maith  ;  tha  an  tigh  anns  a  bheil  e 
a'  fuireach  a'   dol  sios  ;    tha  na  ballachan  a' 


tuiteam  agus  an  ceann  a'  rusgadh  ;  chan  fhada 
a  sheasas  e  ris  na  siantan  a  nis,  is  tha  mi  an 
duil  nach  fhada  gus  am  feum  Iain  Quince- 
Adams  fhagail,  ach  tha  Iain  Quincy  Adams  e 
fhein  gu  maith,  gu'n  robh  maith  agaibh."  Rinn 
e  ffaire  beaff  ris  fhein,  is  dh'  fhatf  iad  beannachd 
aig  a  cheile,  a'  bheannachd  dheireannach.  oir 
ann  am  beagan  iiine  bha  Iain  Quincy  Adams 
marbh.  Dh'  fh&g  a  spiorad  an  tigh  talmhaidh. 
a  bha  air  dol  sios,  is  dh'ullaich  Dia  aite-comh- 
nuidh eile  dha. 

So  dochas  ait  nan  an'  ma  naomh 
O'n  Slanuighear  caomh  an  traths'. 

Ach  chair  'eil  an  dochas  so  aig  na  h-uile.  An 
uair  a  bha  am  feallsanach  mi-chreideach,  Tomas 
Hobbes  a'  basachadh  thubhairt  e  ri  chairdean. 
"  Tha  mi  dol  a  mach  do'n  dorchadas."  Thubh- 
airt Ban-righ  Ealasaid,  "  B'  fhearr  learn  na 
ninillean  a  dh'or  nach  robh  am  bas  romham." 

"  Thoiribh  dhomh  laudanam,"  arsa  ard- 
sgoilear  I-'rangach,  "  tha  eagal  orm  a  bhi  a' 
smuaineachadh  air  an  t-siorruidheachd." 

Do  chuid  tha  am  bas  'na  chiiis-eagail  ;  do 
chuid  eile  tha  e  'n  a  theachdair  sithe,  ach  co 
dhiu  a  tha  sith  no  uamhas  fo  a  sgiathan  cha 
ghabh  e  seachnadh,  is  luath  no  mall,  smear  sinn 
idle  anns  a'  chiste-mhairbh. 

"  Gti  via  beamiaichte  gu  robh  aihair  ar  Tighearn 
losa  Criosd  a  dK ath-ghin  sinne  gu  beb  dhochas, 
tre  aiseirigh  losa  Criosd  o  na  mairbh  chum  oigh- 
reachd  neo-thruaillidh  a  tha  air  a  iasgadh  's  na 
neamhan  dhuibhse,  a  tha  air  bhnr  coimhead  le 
cumhachd  Dhe  tre  chreideamh  chum  slainte." 


Ann  am  bhruadair 


CHAN  'eil  moran  a  dhith  orm  anns  an  t- 
saoghal  so  ;  bhithinn  Ian  thoilichte  na'n 
robh  oighreachd  agam  ann  am  Muile  agus 
yacht  ;  birlinn  sheol  a  bhiodh  maith  ann  am 
fairge,  agus  a  rachadh  mu'n  cuairt  an  Rudha 
Mhurchannaich  la  air  bith  a  rachadh  an  Loch 
Earn  ann.  Agus  na'n  robh  mo  roghainn  de 
Mhuile  agam  b'e  oighreachd  Threisinnis,  agus 
na  h-Eileanan  a  tha  dol  leatha,  a  b'  fhearr  leam. 
O  chionn  ghoirid  chunnaic  mi  gu  robh  an  ubhal 
oir  so  ri  bhi  air  a  reic,  agus  na'n  robh  fearann 
cho  saor  ann  am  Muile  's  a  tha  e  ann  an  Leodhas, 
chuirinn  tairgse  oirre.  An  uair  a  reic  am 
Morair  Leverhulme  Leodhas  gheibheadh  tu 
acair  fearainn,  sffor  as  a  ghrunnd,  air  da  sgillinn 
is  bonn-a-sia  ;  aig  an  ruith  sin  cha  bhriseadh  e 
mi  stiall  rnhaith  fhearainn  a  cheannach  air  an 
tugainn  nui  choig  notaichean  deug.  B'  fhearr 
leam  coig  notaichean  deug  a  chur  ann  an  oigh- 
reachd seach  a  chur  ann  an  radio,  no  ann  an 
seann  mhotor  car,  ged  nach  fhaighinn  aisde  de 
sholas  ach  a  bhi  aon  seachduin  a'  luingearachd 


ri  oir  a'  chladaich  air  feasgair  chitiin  anns  an 
t-samhradh. 

Banrigh  nan  Eileanan 

Tha  Muile  maiseach  ann  fein,  ach  is  e  na 
h-eileanan  beaga  a  tha  siar'  air  a  tha  'g  a 
dheanamh  riomhach  agus  rioghail  thar  gach 
aite  eile  an  Albainn.  Tha  iad  a'  snamh  ri 
thaobh  anns  a'  chuan  mar  gu'm  faiceadh  tu  lach 
mhor  agus  a  h-al  a'  snamh  gu  statail  air  uchd 
na  mara.  Co  dhiu  a  chi  thu  iad  ann  an  dol 
fodha  na  greine  air  feasgar  boidheach  samh- 
raidh,  no  air  la  fliuch  is  dorcha  anns  a  bheil 
dusraich  air  cuan  is  speur,  tha  taladh  aca  air 
do  chridhe  nach  'eil  aig  coiltean  agus  monai- 
dhean  air  tir-mor. 

Dh'fheumadh  duine  aig  am  biodh  yacht  ann 
am  Muile  a  bhi  gu  maith  cin-amach,  oir  is  ann 
air  an  sgriob-mhara  a  tha  siar  air  Muile,  eadar 
a'  Chailleach  agus  na  Torainnean,  a  bha  an 
ionaltradh  aig  sreud  na  CailUch  Bheur,  is  tha  e 
air  a  radh  nach  'eil  ann  an  Eileanan  Threisinnis 


ANN  AM  BHRUADAIR 


S 


ach  clachan  a  thuit  as  a  c'liaV)h  la  a  bha  i  a' 
tighinn  a  Colbhasa  'g  a  failceadh  fhein  ann  an 
Loch  Ba  am  Muile.  Na'm  failceadh  i  i  fhein 
uair  's  na  ceud  bliadhna  ann  an  iiisge  Loch  Ba 
bhiodh  i  beo  ceud  bliadhna  eile,  ach  dh'  fheum- 
adh  i  a  bhi  anns  an  loch  m'am  blaiseadh  an 
t-eiin  an  t-uisge,  air  neo  cha  bhiodh  iocshlaint 
air  bith  ann.  An  uair  mu  dheireadh  a  thainig 
i  a  Colbhasa  gu  Loch  Ba  chuir  cii  a  bha  a' 
comhfhartaich  air  Dun  I  moille  oirre  ;  dh' 
eirich  a'  jjhrian  m'an  do  rainig'  i  Loch  Ba,  is 
thuit  i  fuar  marbh. 

Air  sgiathan  na  h-inntinn 

Ach  chan  'eil  dochas  air  bith  agam-sa  gu'm 
fag  duine  d'am  chairdean  de  airgiod  agam  na 
cheannaicheadh  Treisinnis,  no  gu'n  cuir  mi 
seachad  deireadh  mu  laithean  air  Loch  Sgriod- 
ain  no  air  Loch  nan  Ceall,  no  ag  iasgach  mu 
L'lbha  no  mu  Lunga,  ach  chan  'eil  agam  ach 
map  a  thoirt  leam  do'n  leabaidh  agus  leigeil  le 
mac-meanmain  na  h-inntinn  sgiathan  a  ghabhail, 
agus  ann  am  mionaid  tha  an  oighreachd  agus  an 
yacht  agam  an  asgaidh  !  Sin  agad  an  doigh  as 
fhearr  dhuit  oighreachd  agus  yacht  fhaotainn. 
Air  dhoigh  eile  cha  bhiodh  annta  ach  dragh  ; 
dheanadh  iad  duine  bochd  dhiot,  ach  bheir  an 
oighreachd  agus  an  yacht  a  tha  agad  'n  ad 
inntinn  solas  agus  saoibhreas  dhuit  gach  la  de 
d'  bheatha. 

****** 

An  raoir  fhein  chaidh  mise  a  mach  do  na 
h-Eileanan  le  comhlan  de  dhaoine  gasda  a 
sheol  as  an  Oban  air  yacht  anns  a'  bhliadhna 
1787;  Mac  Cailean  'Mor,  Lirla  Bhraghaid- 
Alba,  an  Ridire  Adam  Ferguson,  Mghr  Thor- 
kelin,  duin-uasal  de  mhuinntir  Iceland.  Mac 
Coinnich  Shi-phort,  agus  aon  no  dha  eile. 

Anns  na  bliadhna  chan  1780-1800  bha  moi-an 
bruidhne  anns  an  duthaich  mu  chor  na  Gaidh- 
ealtachd  ;  bha  Bord  an  lasgaich  gu  sonruichte 
a'  deanamh  na  b'  urrainn  dhaibh  a  chuideachadh 
an  t-sluaigh,  agus  a'  feuchainn  ri  bailtean- 
iasgaich  a  chur  air  chois  an  sud  agus  an  so, 
agus  is  ann  o'n  Ghovernment  a  chaidh  na 
daoine  ud  a  mach  do  na  h-Eileanan,  mar  chaidh 
Caleb  agus  Saphat  agfts  luchd-rannsachaidh 
eile  a  mach  o  Mhaois  do  thir  a'  gheallaidh. 

Cha  do  rinn  mise  ach  dol  leo  '«  am  itiniinn  : 
dh'fhan  mi  anns  an  leabaidh  le  map.  ach  chord 
mo  thurus  rium  fada  na  b'  fhearr  ni  chord  e  ri 
cuid  dhiubh-san  air  an  robh  an  tinneas-mara. 

Caol  Muile  mo  ruin 
Dh'  fhag  sinn  an  t-Oban  aig  ochd  uairean  's 
a'  mhaduinn,  le  soirbheas  beag  o'n  ear-dheas, 
ach  cha  deachaidh  sinn  na  b'  fhaide  an  oidhche 
sin  na'n  Sailean.  Bha  Mac  Gill  Kathain  Cholla 
romhainn  anns  an  t-Sailean,  'n  a  bhirlinn  fhein  ; 
Mac  Gill  Eathain  nan  Druimnean  ;  Baillidh 
Thiriodh  ;    agus   daoin-uaisle   eile   de   Chloinn 


Ghill  Eathain  nach  d'  aithnich  mi.  Bha  suas  ri 
dusan  bata  anns  an  t-Sailean  'g  ar  coinneachadh, 
agus  a  bratach  fhein  ri  crann  gach  te  dhiubh,  is 
piobair  air  bord.  Fhuair  iad  uile  cuireadh  o 
Mhac  Coinnich  Shi-phoirt  an  dinnear  a  ghabhail 
conihla  ruinn  air  an  yacht,  is  bha  oidhche 
chridheil  againn. 

Dh'  fhan  sinn  beagan  laithean  ann  am  Muile, 
oir  bha  obair  aig  Mac  Cailean  agus  a'  chuid  eile 
de  na  bhuineadh  do  Bhord  an  lasgaich  ri  dhean- 
amh  ann  an  Tobar-mhoire,  aon  de  na  h-aitean 
anns  an  robh  diiil  aca  gu'n  gabhadh  baile  iir  a 
bhi  air  a  thogail  agus  iasgairean  a  bhi  air  an 
suidheachadh.  Ged  tha  Muile  'n  a  eilean 
boidheach  chan  eilean  e  a  bha  riamh  air  oib- 
reachadh  gu  maith.  Cha  robh  na  h-uachdai-ain 
cho  sgoinneil  'n  an  ciiisean-saoghalta  's  a  bha 
na  h-uachdarain  air  tir-mor,  is  cha  mho  a  bha 
an  tuath.  Cha  mhor  nach  e  Mac  Gill  Eathain 
a  bha  anns  a  h-uile  fear-fearainn  am  Muile 
aig  an  am  ud,  ach  bha  barrachd  de  ghliocas 
saoghalta  ann  an  aon  Chaimbeulach  na  bha 
ann  an  Cloinn  Gill  Eathain  air  fad. 

Seachad  a|r  an  Rudha  mhor  -L 

A  Tobar-mhoire  chaidh  sinn  do  Chanaidh, 
ach  theab  nach  ruigeamaid  e  oir  bha  a'  ghaoth 
an  ceann.  Cha  robh  mise  riamh  ann  an 
Canaidh  ach  air  an  turus  ud  '71  am  imitinn,  ach 
bu  mhaith  leam  .dol  ann  .anns  an  fheoil. 
Buinidh  e  an  diugh  do  Iain  L.  Caimbeul,  a 
cheannaich  an  t-eilean  an  uiridh,  ach  bhuineadh 
e  ann  an  1787  do  Mhac  Mhic  Ailean.  Bha  e 
Ian  dhaoine  aig  an  am  ud,  ged  nach  eil  moran 
ann  an  diugh.  Tha  iasgairean  Loch  Finn  an 
diiil  nach  fhacas  cearban  air  corsachan  na 
diithcha  so  gus  an  tainig  iad  do  Loch  Finn  o 
chionn  bliadhna  no  dha,  ach  bha  muinntir 
Chanaidh  eolach  gu  leor  air  a'  chearban.  Bhiodh 
iad  'g  an  iasgach  ged  nach  itheadh  iad  dad 
dhiubh  ach  an  gruthan. 

A  Canaidh  chaidh  sinn  a  dh'  Uidhist,  ach 
ma  bha  Muile  lorn  bha  LTidhist  na  bu  luime. 
Ach  cha  robh  coslas  luime  air  tigh-mor  Bhaile- 
nan-cailleach  far  an  d'  fhuair  sinn  ar  deagh 
charadh  aig  Mac  Mhic  Ailean.  B'e  an  aon 
duine  a  b'  fhearr  leam  fhaicinn  ann  an  Uidhist 
bard  agus  seanchaidh  Mhic  Mhic  Ailein,  ach 
bha  e  sean,  is  cha  robh  e  gu  maith  aig  an  am,  is 
cha  do  chuir  mi  dragh  air.  Chan  'eilfhios  agam 
ciamar  a  chordadh  na  Caimbeulaich,  nan  robh 
iad  leinn,  agus  Mac  MJiic  Ailean,  ach  cha  d' 
thainig  an  Diuc  na  b'  fhaide  leinn  na  Muile  ; 
thill  e  air  ais  a  dh'  lonar-aora. 

Muir  a'  beucadh 

An  deidh  dhuinn  Uidhist  fhagail  dh'  atharr- 
aich  an  t-sid.  is  fhuair  an  yacht  droch  shnioinh 
m'  an  do  rainig  sirm  Dun-bheagain.  Ach  tha 
e  moran  na's  f  hasa  do  mharaichean  an  t-Eilean 
Sgitheanach  a  thoirt  a  mach  ri  oidhche  dhorcha 


ANN  AM  BHRUADAIR— ANNS  A'  CHATHAIR 


na  tha  e  Uidhist  a  thoirt  a  macli.  Dh' 
fheumadh  duine  a  bhi  gu  maith  eolach  air 
cladaichean,  agus  baghan,  agus  caoil,  agus 
seoladain  Uidhist,  agus  gu  sonruichte  Caolas 
na  Hearadh,  m'an  rachadh  e  dliith  orra  anns  an 
dorchadas.  Cha  robh  soluis  againn  ann  an 
1787  mar  tha  ann  an  diugh.  Anns  an  leabhar 
a  sgriobh  i  mu  na  h-Eileanan  an  lar  tha  a 
bhean-uasal  Goodrich  Freer  ag  radh  gur  e 
Uidhist  a  Deas  diii  nan  uile  aitean  a  rinn  Dia 
riamh.  Chan  'eil  sin  fior  no  cothromach  ;  tha 
a  ghloir  fein  aig  Uidhist  a  Deas  mar  tha  a  gloir 
fein  aig  a'  ghealaich,  ged  tha  a"  ghrian  a'  toirt 
barr  air  a'  ghealaich  ann  an  gloir. 

Bha  tri  sreathan  againn  anns  an  t-seol 
mheadhoin  an  uair  a  bha  sinn  a'  dol  thairis  air 
a'  Chuan  Sgith.  Dheasaich  an  cocaire  biadh, 
ach  cha  robh  biadh  air  aire  neach  a  bha  air 
bord  ach  a  mhain  Thorkelin  a  Iceland.  Bha 
stamag  laidir  aige  ;  agus  fad  an  la  bha  e  'na 
chiiis-fharmaid  (agus  'na  chuis-fheirge)  do  na 
daoin-uaisle  eile,  a'  cagnadh  agus  a'  cnamh  a 
chir.  Bu  bhuidhe  leinn  uile  dol  air  tir  an  uair 
a  rainig  sinn  Dim-bheagain.  Thug  Mac  Leoid 
dhuinn  chan  e  mhain  cuid  na  h-oidhche  ach 
cuid  seachduin. 

Na  h-Eileanan  Samhraidh 

A  Dtin-bheagain  chaidh  each  do  Steornabh- 
agh,  ach  b'  fhearr  leam-sa  dol  do  Loch  Braoin 
seach  do  Iveodhas.  is  ghabh  mi  an  t-aiseag  air 
a'  bhirlinn  anns  an  robh  Mac  Coinnich  Shi-phort 
a'  dol  a  chur  air  tir  da  dhuin-uasal  a  Asaint. 

Ma  tha  aite  eile  fo'n  ghrein  as  boidhche  air  la 
maith  foghair  na  Loch  Braon  agus  a  chladaich- 
ean,  agus  a  bheanntan  agus  eileanan,  chan  aithne 
dhomhsa  e.  Chan  'eil  miighadh  ann  dhuit  ciod 
an  taobh  a  thionndas  thu.  co  dhiubh  a  sheallas 
tu  air  Beinn  Mhor  Asaint,  no  air  an  Teallaich. 


no  air  na  h-eileanan  a  tha  a'  deanamh  faire  air 
dorsan  an  locha,  Tannara  Beag  is  Tannara  Mor, 
eilean  an  t-sagairt  is  eilean  Mhartainn, — tha  an   ^a 
sealladh  aillidh. 

Chan  'eil  duine  an  diugh  a'  fuireach  anns  na  j 
h-eileanan  sin  ach  nuair  a  chaidh  sinne  air  tir 
ann  an  Tannara  Mor  f  huair  sinn  failt  is  biadh  is 
deoch  o  Mghr  Moireasdan  a  bha  a'  fuireach 
ann  an  tigh  gasda  a  chuir  e  suas  dha  fhein. 
Bha  ceithe  beag  ann  cuideachd,  agus  tigh  eile 
anns  an  robh  e  a'  deanamh  sgadan-dearg.  Bha 
e  a'  deanamh  beagan  aitich  cuideachd,  agus  a' 
gleidheadh  chaorach,  is  tha  mi  an  diiil.  ghobhar. 

Eilean  Mhartainn 

Bha  obair-eisg  a'  dol  air  aghaidh  air  eilean 
Mhartainn  cuideachd,  na  bu  mhotha  na  bha 
ann  an  Tannara.  Chuala  mi  gur  ann  an  so  a  bha 
muinntir  an  aite  a'  faotainn  reic  do'n  iasg  a 
ghlacadh  iad,  agus  gu  robh  ochd  mile  baraille 
sgadain  air  a  ghlanadh  anns  an  eilean  a  h-uile 
bliadhna.  Chaidh  sinn  air  tir  an  Ullapul  ach 
cha  robh  am  baile  beag  boidheach  a  tha  ann  an 
diugh  air  a  thogail  ann  an  1787.  Tha  Ullapul 
'n  a  aite  togarrach  a  bhi  ann,  co  dhiu  a  theid 
thu  ann  n  ad  inntinn  no  anns  an  fheoil,  agus 
na'n  robh  mise  rud  beag  na  b'  oige  na  tha  mi, 
bu  chaomh  learn  a  bhi   n  am  mhinistear  ann. 

'Se  ministear  a  bha  aon  uair  an  Ullapul 
maraiche  a  b'  fhearr  a  bha  riamh  ann  an  Loch 
Braon,  an  t-Urramach  Aonghus  Domhnullach, 
a  eilean  I,  a  dh'  ionnsaich  marachd  a'  seoladh 
mu'n  cuairt  eileanan  Threisinnis.  Rachadh  e 
a  mach  ann  an  geola  bhig  ri  an-shid  anns  nach 
rachadh  iasgairean  laidir  rucasach  gu  muir. 
****** 

Ain  sin  chaidil  mi,  ach  n  am  chadal  fhein, 
ged  bha  mo  chorp  ann  an  siorramachd  Pheairt 
bha  mo  spiorad  air  falbh  anns  na  h-Eileanan. 


Anns  a'  Chathair 


CHAN  'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  A  bheil 
e  cho  furasda  do  Chreideamh  iir  luchd- 
leanmhuinn  fhaotainn  ri  America,  agus  mar  is 
neonaiche  an  Creideamh  is  ann  as  laidire  an 
greim  a  gheibh  e  air  inntinnean  luaineach  a  tha 
gun  acraichean  eile.  Tha  uiread  "  fhaidhean 
an  America  an  diugh  's  a  bha  ann  an  Ephesus 
anns  a'  cheud  linn,  is  tha  luchd-leanmhuinn  aca 
uile.  Tha  feadhainn  dhiubh  aig  nach  bi  saoghal 
as  fhaide  na  tha  aig  na  meanbh-chuileagan,  ach 
tha  feadhainn  eile  a'  mairsinn  gineal  an  deidh 
gineil  a  chionn  gu  bheil  firinn  air  choreigin 
annta  a  tha  a'  riarachadh  acrais  a  tha  ann 
an  cridheachan  dhaoine. 

Mur  biodh  an  creideanih  ris  an  abrar  Chris- 
tian Science  a'  sasuchadh  ionndrainn  air  chor- 
eigin ann  an  cridheachan  dhaoine  cha  bhiodh  e 


cho  laidir  's  a  tha  e  an  diugh,  agus  cha  mho  a 
bhiodh  eaglais  air  a  steidheachadh  air. 

Air  a^'  cheud  shealladh,  theireadh  tu  nach 
robh  e  idir  coltach  gu'n  taghadh  Dia  boirionn-  ,j 
ach  mar  bha  Mairi  Baker  Eddy  a  thoirt  foills- 
eachadh  ur  do'n  t-saoghal.  Bha  tri  fir  aice,  is 
dh'  fhag  i  tri  muillean  dollar  an  uair  a  shiubhail  ; 
i.  airgiod  a  rinn  i  air  an  diadhaidheachd. 

Ciod.  ma  ta,  ann  an  teagasg  a'  bhoirionnaich 
so  a  thug  dhi  greim  cho  laidir  air  inntinnean 
dhaoine  tiirail  ?  Thug  gu'n  do  theagaisg  i 
firinn  air  a  bheil  an  Eaglais  Chriosduidh  a' 
deanamh  dearmaid,  agus  gu'n  robh  ealadhain 
aice  air  cuirp  dhaoine  a  leigheas,  ealadhain  a 
bha  aig  an  eaglais  abstolaich  ach  a  chaill  minis- 
tearan  an  la  so  gu  buileach. 


ANNS  A^  CHATHAIR 


Freumh  de'n  fhirinn 

Tha  an  leabhar  a  sgriobh  i  Ian  faoineis  is 
gloramais,  ach  air  a  shon  sin  tha  freumh  de'n 
fhirinn  ann,  agus  is  e  am  freumh  sin  a'  bhunait 
air  a  bheil  an  eaglais  ris  an  abrar  Chrisiiaji 
Scientists  air  a  togail.  Bha  i  n  a  boirionnach 
diadhaidh,  is  bha  gaol  mor  aice  air  a'  Bhiobull, 
ach  ma  bha  ealadhain  aice  air  daoine  a  leigheas 
chan  abrainn  gu  vobh  ealadhain  aice  air  a' 
Bhiobull  a  thuigsinn  no  mhineachadh. 

Air  uairean  bithidh  teagamh  a'  tighinn  'n  am 
inntinn-sa  nach  eil  mi  fhein  a'  creidsinn  nithean 
anns  a'  Bhiobull  a  bu  choir  dhomh  a  chreidsinn, 
agus  gu  bheil  cumhachd  leighis  anns  a'  Chreid- 
eamh  Chriosduidh  nach  do  thagair  mi  riamh  air 
mo  shon  fhein,  no  air  son  dhaoine  eile.  An  uair 
a  theid  mi  a  dh'  amharc  dhaoine  tinne  tha  mi 
faiceallach  nach  abair  mi  aon  f  hacal  a  mhilleadh 
an  earbsa  anns  na  stuthannan  a  bhios  an  dotair 
a'  toirt  dhaibh,  no  a  bheireadh  orra  a  shaoilsinn 
gu'n  gabhadh  iad  leigheas  gun  dotair  idir.  Ach 
tha  fhios  agam  gle  mhaith  nach  ann  as  an 
Tiomnadh  Nuadh  a  fhuair  mi  na  beachdan  sin 
ach  o'm  reuson  fhein,  agus  o'n  teagasg  a  fhuair 
mi  anns  an  sgoil,  agus  anns  an  oil-thigh,  agus  o 
leabhraichean  nam  feallsanach. 

Tha  cunntas  againn  anns  an  Tiomnadh  Nuadh 
air  daoine  a  bha  eucailean  an  cuirp  air  an 
leigheas  le  "  creideamh,"  agus  teagasg  gu'n 
dean  tirnuigh  fhior  miorbhuilean  nach  urrainn 
do  sgil  no  do  chungaidh  dotair  a  dheanamh. 
Cia  meud  ministear  a  tha  'g  a  chreidsinn  sin  ? 
No  cia  meud  duine  tinn  'n  ar  coimhthionailean 
a  tha  'g  a  chreidsinn  ?  Agus  mur  bheil  sinn 
'g  a  chreidsinn  car  son  nach  'eil  ?  An  e  gu'n 
abramaid  nach  eil  an  teagasg  so  idir  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh,  no  gu'n  abramaid  nach  'eil 
feum  aig  an  eaglais  an  diugh  air  tiodhlacan  is 
comasan  a  bha  aig  na  ceud  chreidmhich,  no 
gu'n  abramaid  nach  robh  daoine  air  an  leigheas 
idir  le  "  creideamh  "  ged  bha  na  ceud  chreid- 
mhich an  duil  gu'n  robh. 

Ag  amharc  dhaoine  tinne 

An  uair  a  theid  ministear  a  dh'  amharc  neach 
a  tha  tinn  chan  'eil  teagamh  nach  "eil  an  duine 
tinn  agus  a  theaghlach  toilichte  am  ministear 
fhaicinn  ;  their  iad  gu  robh  e  coibhneil  dha 
tighinn  'g  a  fhaicinn  agus  iirnuigh  a  dheanamh 
aig  taobh  a  leapa,  ach  cha  bhi  diiil  air  bith  aca 
gu'n  toir  an  tirnuigh  sin  feabhas  do'n  fhear  a 
tha  air  an  leabaidh. 

Na  'n  abradh  am  ministear  nach  robh  dad 
cearr  air  bodhig  an  duine  ach  na  bha  air  a  chur 
cearr  le  mi-riaghailt,  no  peacadh  a  bha  'na 
inntinn  agus  'na  spiorad  fhein,  ghabhadh  an 
duine  tinn  agus  muinntir  an  teaghlaich  an 
fhearg.  Agus  na'n  iarradh  e  air  gun  earbsa  a 
chur  ann  an  cungaidh  ach  'uile  earbsa  a  chur 
ann  an  urnuigh  agus  ann  an  creideamh,  their- 
eadh  iad  gu  robh  e  air  dol  as  a  chiall. 


Cha  bhi  aon  againn  ag  r^dh  nan  nithean  so  ri 
daoine  tinne  a  bhios  sin  a'  dol  a  dh'  amharc  (no 
ruinn  fhein  nuair  nach  bi  sijin  air  dealbh)  ach 
faodaidh  e  bhith  gu  bheil  an  rud  ris  an  abair 
sinn  ar  Gliocas,  no  ar  n-E61as,  no  ar  Ttir  nadurra, 
g  ar  cur  air  seachran,  agus  gu'm  b'  fhearr 
dhuinn  nach  robh  sinn  cho  mi-chreideach. 

Their  sinn  gu  robh  an  Tiomnddh  Nuadh  air  a 
sgriobhadh  ann  an  6g-mhaduinn  aai  t-saoghail  ; 
gu'n  tainig  atharrachadh  is  adhartas  air  beachd- 
an dhaoine  o  na  laithean  sin,  agus  nach  biodh 
e  ceart  dhuinn  dol  air  ar  n-ais  gu  saoghal- 
inntinn  a  dh'  fhag  sinn  as  ar  deidh,  no  ar  cul 
a  thionndadh  air  teagasg  dhotairean  is 
fheallsanach. 

Solus  fann  ar  reusoin 

Chan  abair  mise  gu  bheil  sin  cearr,  ach  aig 
a'  cheart  am  tha  fhios  agam  gu  bheil  an  inntinn 
a  tha  againn  an  diugh  fada  fada  air  falbh  o'n 
inntinn  agus  o'n  aile  a  gheibhear  anns  an 
Tiomnadh  Nuadh,  agus  gle  thric  bithidh  amh- 
arus  'g  am  bhualadh  gu  bheil  an  Tiomnadh 
Nuadh  ceart  anns  a'  chuis  so,  mar  tha  e  ann  an 
ciiisean  eile,  agus  gur  e  sinne  agus  solus  fann 
ar  reusoin  a  tha  cearr.  Agus  gle  thric  cuid- 
eachd  bithidh  amharns  'g  am  bhualadh  gu'n  do 
thuig  leanaban  mar  tha  Mairi  Baker  Eddy  agus 
na  daoine  neonach  a  tha  ga  leantuinn  criomain 
de'n  Tiomnadh  Nuadh  nach  do  thuig  na  sgoil- 
earan  glic  agus  cagnaidh  d'  am  bi  mi  a'  toirt 
geill. 

Ach  ged  tha  mi  a'  creidsinn  gu  bheil  na 
Christian  Scientists  a'  cumail  beo  crioman  de'n 
fhirinn  air  a  bheil  an  Eaglais  Chriosduidh  a' 
deanamh  dearmaid,  agus  a'  deanamh  maith  do 
mhoran  dhaoine  a  tha  'g  an  leantuinn,  cha  bu 
mhaith  leam  gu'n  toisicheadh  an  eaglais  a  nis 
air  ministrealachd-leighis  a  ghabhail  os  laimh  ; 
cha  deanadh  sin  ach  cron  do  mhinistearan  agus 
do  dhaoine  tinne  le  cheile.  Is  ann  o  Dhia  a  tha 
leighis,  CO  dhiu  is  ann  le  cungaidh  no  le 
miorbhuil  a  tha  e  a'  tachairt,  agus  bu  mhaith  an 
gnothuch  nan  robh  an  lighiche  agus  am  minis- 
tear  daonnan  a'  co-oibreachadh  maille  ri  cheile. 
Sin  a  bu  mhaith  leis  an  duine  ghlic,  mac  Shirach, 
fhaicinn,  an  leigh  agus  an  sagart  ag  oibreachadh 
comhla. 

A  mhic,  ann  ad  thinneas  na  bi  nil-chiiramach 

Ach  dean  t'  urnuigh  ri  Dia, 

Agus  leighsidh  e  thu. 

Cuir  bhuait  olc,  agus  glan  do  chridhe 

Agux  an  sin  cuirfiox  air  Jeic/li, 

Oir  is  e  an  Tighearn  a  cliruthaich  e, 

Agus  a  thug  dha  eolas  agus  gliocas.     . 


li- 


Cumhachd  na  h-inntinn 
c    cridhe    an    teaffaisar    aisr    na    Christian 


Scientists  gur  spiorad  sinn,  agus  nach  'eil  'n  ar 
fuil  agus  'n  ar  feoil  ach  neo-ni.  Tha  a  h-uile 
rud  a  tha  a'  tachairt,  no  a  tha  sinn  a'  faireach- 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


duinn,  a'  tachairt  no  'ga  fhaireachduin  anns  an 
inntinn.  Chan  eil  ann  am  peacadh,  no  ami  am 
plan,  no  ann  an  tinneas,  no  eadhon  anns  a'  bhas 
ach  staid  inntinn  a  tha  daoine  a'  faireachadlu 
annta  fhein,  agus  is  e  an  doigh  air  buaidh 
f  haotainn  thairis  orra  an  staid-inntinn  sin  a  chur 
air  falbh  agus  staid-inntinn  eile  a  chur  'n  a 
h-aite.  Nan  abradh  thu  riu  gu  robh  thu  a' 
faireachduin  pian  ann  ad  stamaig,  theireadh 
iad  riut  nach  b'  urrainn  pian  a  bhi  'n  ad  stamaig, 
agus  gur  ann  'n  ad  inntinn  a  bha  e  ;  nach  robh 
ann  ach  beachd  cearr  a  leig  thu  a  steach  d'  ad 
inntinn,  agus  na'n  creideadh  tu  nach  robh  e  ann, 
nach  bitheadh  e  ann  na's  mo.  Cuiridh  so  'n  ad 
chuimhne  am  facal  a  labhair  Criosd,  "  Ciod  air 
bith  a  dh'  iarras  sibh  ann  'ur  n-iirnuigh,  ma 
chreideas  sibh,  gheibh  sibh  e." 

Tha  iomadh  rud  ann  an  teagasg  nan  Christian 
Scie7itists  a  tha  faoin  agus  leanabail,.gun  bhun 
gun  bharr,  ach  air  a  shon  sin  tha  iad  a'  tarruing 
dhaoine  air  falbh  o'n  eaglais  Chriosduidh,  a 
chionn  gu  bheil  iad  a'  toirt  dhaibh  cuideachadh 


no  tlodhlac  spiorr.dail  a  bu  choir  do  eaglais 
Chriosd  a  thoirt  dhaibh  ach  nach  'eil  i  a'  toirt 
dhaibh. 

Fireantachd  agus  slainte 
Tha  a'  chuid  mhor  de'n  pheacadh  agus  de'n 
mhi-shuaimhneas  agus  de'n  tinneas-cuirp  a  tha 
anns  an  t-saoghal  ag  eirigh  as  ar  n-inntinnean 
fein,  agus  chan  'eil  leigheas  eile  orra  ach  an 
droch  inntinn  sin  aideachadh  agus  a  chur  air 
falbh,  agus  an  inntinii  a  bha  ann  an  Criosd  a  chur 
'n  a  h-aite.  Is  ann  o  pheacadh  no  o  dhroch 
inntinn  a  tha  a'  chuid  mhor  de  laigse  agus  de 
thinneas  a'  chuirp  ag  eirigh,  o  eagal,  no  o  ro- 
chtiram,  no  o  dhroch  nadur,  no  o  mhi-stuam- 
achd,  agus  chan  'eil  leigheas  eile  air  an  tinneas 
agus  air  an  anfhannachd  chorporra  sin  as  cinn- 
tiche  na  ealadhain  a  bhi  againn  air  cumhachd 
Dhe  a  tharruing  a  nuas  le  iirnuigh  agus  creid- 
eamh.  Na'n  iarramaid-ne  fireantachd  Dhe  air 
tiis,  bhitheadh  nithean  eile  air  an  toirt  dhuinn 
cuideachd,  sith  ionnlan,  agus  slainte. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Eoghan  Friseal 

BHA  moran  dhaoine  air  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd  anabarrach  duilich  an  uair  a  chual 
iad  gu'n  do  chaochail  ministear  Ullapuil  air  a' 
mhios  a  chaidh  seachad.  Ged  nach  bu  duine 
6g  e  bha  coltas  na  slainte  air  a  ghniiis  agus  air 
a  cheum,  is  chuala  mi  nach  d'  iarr  is  nach  d' 
f  huair  e  riamh  comhairle  no  cungaidh  o  lighiche 
gus  an  do  bhuail  galair  a  bhais  e.  Bha  e  cho 
slan  ri  breac  ;  cha  d'  fhairich  e  riamh  dad  a  bu 
mhiosa  na  cnatan. 

Bhuineadh  e  do  Srath-fhairgeag  ;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire 
an  Diin-eideann  ;  air  a  shuidheachadh  an 
Srathaidh,  an  Cataibh,  an  1903  ;  'na  dheidh  sin 
bha  e  anns  a'  Bhlar  Dhubh,  an  sgir  Urrath,  ach 
dh'  fhag  e  Urrath  an  1936  is  chaidh  e  a  dh' 
Ullapul. 

Bha  e  'na  dhuine  aoibheil  sunndach,  agus  'n 
a  mhinistear  maith  ;  faiceallach  'n  a  fhacal 
agus  'n  a  ghiiilan.  Bha  meas  mor  aig  a  bhraith- 
rean  air  ann  an  Cleir  na  Cananaich.  Bha  e 
cho  reidh  'n  a  dhoighean  agus  'na  nadur  's  nach 
saoileadh  tu  le  sealltuinn  air  aodann  gu  robh 
ciiram  air  inntinn  riamh  no  camadh  'na  chrann- 
chur,  ach  bha  toil  laidir  aige  cuideachd.  Bha 
e  gaolach  air  sith  is  cha  bu  toigh  leis  aimhreit. 
Chuala  mi  o  bhan-charaid  anns  a'  choimhthional 
aige  gu  robh  e  'na  chleachdadh  aige  a  bhi  toirt 
buidheachais  do  Dhia  air  son  na  side,  co  dhiu 
a  bha  an  aimsir  maith  no  dona.  Bhean  an  rud 
n,m'  choguis,  oir  tha  eagal  orm  nach  bi  mise 
agus  a'  chuid  mhor  de  mhinistearan  eile  a'  toirt 
buidheachas-side  do  Dhia  ach  nuair  a  tha  an 


aintisir  maith  agus  a  tha  i  a'  freagairt  oirnn. 
Ni  na  cinnich  fhein  sin. 

Ministearan  oga 

Anns  an  t-samhradh  so,  no  anns  an  fhoghar, 
bha  coignear  mhinistearan  oga  air  an  suidh- 
eachadh  ann  an  sgirean  Gaidhealach  ;  Raghnall 
Mac  Dhonnachaidh,  B.D.,  an  Loch  Carrann  ; 
Donnachadh  Mac  Amhlaidh,  an  Cinn  t-saile  ; 
Niall  Mac  Aonghuis,  an  Hinipol,  an  Tiriodh  ; 
Domhnull  Mac  Leoid,  M.A.,  an  Cill  Mhoire,  an 
Uidhist  a  Tuath  ;  agus  Aonghus  F.  Mac 
Fhionghuin,  an  Gleann-Eilg. 

Faodaidh  iad  uile  a  radh  gun  do  thuit  an 
crannchur  ann  an  ionadan  ion-mhiannaichte, 
ion-mhiannaichte  ann  an  da  dhoigh,  oir  tha 
deagh  choimhthional  anns  na  sgirean  sin  agus 
bithidh  an  dachaidhean  aca  ann  an  aitean  mais- 
each.  Agus  is  mor  an  solas  a  bheir  e  do  chridhe 
duine,  agus  an  togar  a  bheir  e  dha  'n  a  obair,  a 
bhi  fuireach  ann  an  diithaich  bhoidheach. 
Maitheas,  Firinn,  agus  Maise,  sin  trianaid  nach 
dean  spiorad  mhic  an  duine  feum  as  an 
eugmhais. 

Tha  feum  aig  ministearan  oga  cuideachd  air 
blaths  agus  misneachadh  fhaotainn  ann  an  tus 
an  toiseachaidh  ;  ma  tha  iad  de  n  t-scorsa 
cheart  tairngidh  sin  asda  an  t-seirbhis  as  f  hearr 
is  urrainn  iad  a  dheanamh.  Tha  iomadh  minis- 
tear  6g  a  bha  gle  ghealltanach  air  a  mhilleadh 
leis  a'  cheud  choimthicnal  anns  an  robh  e  air  a 
shuidheachadli,  a  chionn  nach  robh  grunnan  de 
dhaoine  glic  agus  do-  dhaoine  diadhaidh  ann  a 
chuidicheadh    leis    ann    an    sradh    a    dhreucT7~^^ 


^ 


AIG  AN  UINNEIG 


ionnsachadh.  Is  arin  an  deidh  dhaibli  tighinn 
a  niach  as  a'  Chollaist  a  tha  ministearan  ag 
ionnsachadh  nan  nithean  as  cudthromaiche  'nan 
dreuchd,  is  tha  ealadhain  shonruichte  aig  cuid 
de  choimthionailean  air  na  nithean  sin  a 
theagasg  dhaibh.  Ma  tha  Dia  a'  toirt  a 
chrannchur  do  dhuine  am  measg  dh;ioine  tiirail 
aig  a  bheil  fiughair  a  h-uile  Sabaid  ri  searmon- 
achadh  turail  agus  spioradail  dh'  fheimiadh 
bathais  chruaidh  a  bhi  air  na'm  biodh  e  toihchte 
le  smodan  is  cath  thiorani  a  thoirt  dhaibh. 

Caraid  chaomhail 

Uair  a  bha  an  duine  grinn  nach  niaireann,  an 
t-Ollamh  Daibhidh  Smith,  a'  searmonachadh  an 
Obar  Pheallaidh,  agus  gun  ann  aig  an  am  ach 
oileanach  og,  bha  a  ghliiinean  air  chrith  leis  an 
eagal,  oir  b'  e  sud  a'  cheud  la  a  sheas  e  riamh 
ann  an  ciibaid.  Bha  a  chridhe  cho  meata  'na 
ch«m  's  gu  robh  e  ag  radh  ris  fhein,  an  deidh  na 
ceud  iirnuigh,  gu'n  teicheadh  e  as  a'  lihaile  aig 
crioch  na  seirbhis  gun  fantuinn  ris  an  t-seirbhis- 
fheasgair  idir.  Ach  nuair  a  thug  e  a  mach  a 
cheann-teagaisg  fhuair  e  cobhair,  oir  dhearc  a 
shijil  air  leth-sheann  bhoirionnach  a  bha  'na 
suidhe  ma  choinneamh,  a  bha  a'  diu-  amharc  air 
agus  a  suilean  baigheil  Ian  de  thuigse  agus  de 
ghradh.  Bha  ministear,  n  a  shuidhe  laimh 
rithe,  is  bha  a  leithid  de  bhlaths  agus  de 
chaomhalachd  ris  ann  an  aodann  na  dithis  ud  s 
gu'n  d'  fhalbh  an  t-eagal  a  bha  'n  a  chridhe,  is 
fhuair  e  saorsa. 

An  uair  a  sgaoil  an  coimhthional  chaidh  iad 
a  steach  do  'n  vestry, is  labhair  iad  le  cheile  ris  le 
mor-choibhneas,  ag  radh  ris,  "  Gu'm  beannaich- 
eadh  an  Tighearn  thu  agus  gu'n  deanadh  e  thu 
'n  ad  bheannachd  do  mhoran." 

Co  an  dithis  ud  a  bha  anns  an  eaglais  an 
Obar-Pheallaidh  an  la  ud  ach  an  t-Urramach 
Uilleam  Cousin,  ministear  na  h-Eaglaise  Saoire, 
am  Melrose,  agus  a  bhean,  boirionnach  maith  a 
rinn  an  laoidh  mhaiseach  a  bhios  sinn  air  uairean 
a  seinn.  An  fir  Immanuel  skuas. 

An  uair  a  bhios  coimhthional  cruinn  tha 
feartan  diomhair  is  fios  diomhair  a'  dol  a  mach 
gun  sgur  o  aon  anam  gu  anam  eile,  on  chiibaid 
gus  na  suidheachain,  o  na  suidheachain  a  dh ' 
ionnsuidh  na  ciibaid  ;  air  uairean,  aile  beatha, 
ach  air  uairean  eile,  aile  bais.  Is  sona  an 
coimthional  anns  a  bheil  gradh  agus  braith- 
reachas  a  lionadh  na  h-eaglais  mar  aile  cubh- 
i-aidh. 

An  diadhair  agus  Cas-shiubhail  an  t-sleibhe 

Mur  h-aithne  dhiiit  sonas  'n  ad  chridhe  fhein 
Cha  ruig  thu  air  sonas  an  aite  fo'n  ghrein. 

La  a  thachair  an  diadhair,  agus  e  ag  iarraidh 
an  tuilleadh  eolais  air  Dia,  air  Cas-shiubhail  an 
t-sleibhe  thubhairt  an  diadhair  ris  anns  an  dol 
seachad,  "  Gun  tugadh  Dia  la  maith  dhuit,  a 
bhrathair  !  " 


"  Buidheachas  da  ainm  beannaichte,"  ars 
esan,  "  cha  robh  la  dona  agamsariamh.'" 

Ghabh  an  diadhair  ionghnadh ;  chuir  e  moille 
'na  cheum  ;  is  thubhairt  e  ris,  "  Gu'n  deanadh 
Dia  sona  thu,  a  bhrathair." 

"  Buidheachas  d'a  ainm  beannaichte,"  arsa 
Cas-shiubhail  an  t-sleibhe,  "  cha  robh  mise 
neo-shona  riamh." 

"  Cha  robh  thu  neo-shona  riamih  !  "  ars'  an 
diadhair  ;  "  ciod  a  tha  thu  a'  ciallachadh  ? 

"  Tha  so,  "  ars  esan,  "  nuair  tha  an  t-sid 
blath,  bithidh  mi  a'  moladh  an  Tighearna,  is 
bithidh  mi  'ga  mholadh  nuair  tha  an  aimsir 
fliuch  ;  CO  dhiu  a  tha  mi  sathach  no  acrach  tha 
mi  'g'  a  mholadh,  ajjus  do  bhriffh  eur  fhearr  a 
thoil-san  na  mo  thoil-sa,  car  son  nach  bithinn 
sona  ? 

"  Ach  ciod  a  theireadh  tu,  a  bhi-athair,  na'n 
tilgeadh  Dia  a  dh'  ifreann  thu  ?  Ciod  a  dhean- 
adh  tu  an  sin  ? 

Bha  Cas-shiubhal  an  t-sleibhe  'n  a  thosd  car 
mionaid,  agus  fhreagair  e  mar  so,  "  Na'n  til- 
geadh Dia  mise  a  dh'  ifreann  chuirinn  mo  dha 
ghairdean  timchioU  air,  gairdean  mo  chreidimh 
agus  gairdean  mo  ghraidh,  is  bheirinn  leam  e  is 
bhithinn  sona,  oir  b'  fhearr  leam  a  bhi  ann  an 
ifreann  le  Dia  na  ann  an  neamh  as  'eugmhais." 
Co  thu,  no  ciod  e  t'  ainm,"  ars  an  diadhair 
a  bha  ag  iarraidh  an  tuilleadh  eolais  air  Dia,  oir 
chuir  an  fhreagairt  ud  mor  ionghnadh  air. 

Is    righ    mise,"    arsa    Cas-shiubhail    an    t- 
sleibhe. 

"  Righ  !  ",  ars  an  diadhair,  "  c'  aite  a  bheil 
do  rioghachd  ? 

"  Tha  mo  rioghachd  agus  mo  shonas  'n  am 
chridhe  fhein,"  ars  am  fear  eile. 

Mur  h-aithne  dhuit  sonas  '«  ad  chridhe  fhein 
Cha  ruig  thu  air  sonas  an  aite  fo  'n  ghrein. 

Na  Psychologists 

Sin  agad  seorsa  dhaoine  a  bhios  ag  uis- 
neachadh  facail  mhora  agus  facail  neonach  mu 
nithean  nach  'eil  mor  no  neonach  idir  ;  a  bhios 
a'  cur  an  ceill  ann  am  briathran  lira  nithean  a 
tha  cho  sean  ris  a'  cheo,  nithean  a  b'  aithne  do 
Sholamh  fada  m'an  cualas  iomradh  riamh 
orra-san. 

Tha  iad  an  diiil  nach  aithne  do  pharantan 
teaghlach  a  thogail,  no  do  luchd-teagaisg  class 
a  theagasg  ann  an  sgoil-sheachduin  no  ann 
an  sgoil-Shabaid,  no  do  mhinistear  searmon- 
achadh gu  ceart,  no  do  mharsanta  bathar  a 
reic,  mur  deachaidh  iad  troimh  chiirsa-foghluim 
ann  an  psychology,  agus  rud  as  miosa  air  fad, 
tha  ministearan  agus  marsantan  agus  parantan 
air  toiseachadh  air  so  a  chreidsinn. 

Bha  duine  ann  an  Glaschu  aig  an  I'obh  balach 
miomhail,  air  a  mhilleadh  le  athair  agus  le 
inhathair  a  chionn  nach  robh  aca  ach  e  fein. 


8 


AIG  AN  UINNEIG— LITIR  A  STEORNABHAGll 


Cha  leigeadh  iad  le  duine  air  bith  am  balach 
priseil  ud  a  chronachadh  ged  bha  iad  a'  faicinn 
gu  maith  gu  robh  feum  aige  air  smachd. 

Mu  dheireadh'  fhuair  iad  psychologist  a  dh' 
aon  ghnothuch  a  theagasg  iimlilachd  do  'ii 
bhalach.  Bha  e  a'  toirt  tri  leasaiu  's  an 
t-seachduin  dha,  is  bha  a  h-uile  leasan  a'  cosd 
deich  tasdain,  ach  chaidh  an  psychologist  an 
urras  dhaibh  gu'm  biodh  am  balach  'n  a 
bhalach  maith  aim  an  se  miosan. 

Thainig  crioch  air  obair  nan  se  miosan  dha  no 
tri  laithean  roimh  Nollaig  ;  thug  an  duine  taing 
do  'n  psychologist,  is  thug  e  am  balach  leis  do 
bhiith  mor  a  cheannach  dha  tiodhlac-Nollaige. 

Cho  luath  's  a  chaidh  iad  a  steach  do  'n  bhtith 
chunnaic  am  balach  each  mor  maide  air  rothan 
thall  m'a  choinneamh,  agus  gun  chead  iarraidh 
air  athair  no  air  muinntir  a'  bhutha,  leum  e  air 
muin  an  eich,  a'  glgodhach  niar  gu'm  biodh  e  a 
mach  air  an  raon,  agus  ag  iarraidh  air  athair  an 
t-each  a  cheannach  dha.  Thubhairt  athair  ris 
gu'm  biodh  an  t-each  na  bu  daoire  na  'n  tiodhlac- 
Nollaige  a  bha  e  am  beachd  a  thoirt  dha,  is  dh' 
iarr  e  air  tighinn  gu  lar,  agus  gu'n  rachadh  iad 
gu  cuntar  eile. 

Ach  cha  tigeadh  e  gu  lar  :  thoisich  e  air 
caoineadh  agus  air  breabadh  a  chas,  a'  glaodh- 
ach  ri  athair  gu  robh  an  t-each  a  dhith  air  agus 
gu'm  feumadh  e  fhaotainn. 

Bha  an  duine  air  a  narachadh  le  mi-mhodh  a 
mhic  ;  bha  a  h-uile  duine  arms  a'  bhuth  a" 
sealltuinn  orra  agus  ag  eisdeachd  ;  am  balach 
crosda  a'  gliugail  le  feirg  is  dannarrachd,  agus 
'athair  gun  sgoinn  a'  suathadh  a  lamh  agus  ag 
radh,  "  Ciod  air  an  t-saop'hal  a  ni  mi?     Nach 


bochd  nach  robh  an  psychologist  an  so  a  nis,  ach 
chaidh  e  do  Ghrianaig,  is  cha  ruigear  air  ! 

Bha  leth-sheann  bhoirionnach  laidir  'n  a 
seasamh  air  an  urlar,  ag  eisdeachd  gliugail  a' 
bhalaich  agus  ochanaich  'athar  a'  caoidh  nach 
robh  an  psychologist  dliith,  umbrella  ghai-bh 
'n  a  dorn,  agus  a  choslas  oirre  a  bhi  air  tighinn  a 
steach  do  'n  bhaile  bharr  na  diithcha.  "Tha 
psychology  '  agam-sa,  ars  ise  ris  an  duine,  a 
bheireadh  am  balach  bharr  an  eich  ann  an  leth 
mionaid,  na'm  bu  leam  e." 

O,  mile,  mile  taing,"  ars'  an  duine,  bhith- 
inn  'n  ad  chomain  gu  brath  nan  deanadh 
til  sin." 

Chaidh  i  a  null  far  an  robh  am  balach  ; 
thubhairt  i  rudeigin  ris  ann  an  guth  iosal  nach 
cuala  duine  eile,  agus  mar  gu  'n  rachadh  saighead 
ann  leum  e  bharr  an  eich  is  ruith  e  gu  athair, 
cho  balbh  agus  umhail  i-i  cii  maith. 

Fad  na  h-Liine  a  bha  iad  anns  a'  bhuth  cha  do 
chuir  am  balach  an  corr  dragha  air  athair  no  air 
duine  eile  ;  bha  e  a'  falbh  ri  thaobh  cho  seimh 
ri  uan,  ach  a'  cumail  a  shiila  air  a'  bhoirionnach 
aig  an  robh  an  umbrella. 

An  uair  a  bha  iad  a'  fagail  a  bhiitha  thubhairt 
an  duine  rithe,  "  Mo  bheannachd  agus  mo 
bhuidheachas  dhuibh,  a  bhean  ;  bu  mhaith 
dhomhsa  an  diugh  gu  robh  psychology  agaibh- 
se,  ach  ma's  e  'ur  toil  e,  an  innis  sibh  dhomh 
rim-diomhair  'ur  n-ealadhain  phriseil,  no  ciod 
a  thubhairt  sibh  ri  m'  mhac  r  " 

"  Thubhairt  mi  ris,"  ars  ise,  "  mur  tigeadh  e 
bharr  an  eich  cho  luath  's  a  6'  urrainn  dha,  gu'n 
toirinn  sgailcean  air  a  mhas  a  chuireadh  deurach 
ann  air  am  bidh  cuimkne  aige  Jad  seachduin." 


Litir  a   Steornabhagh 


Fhir-deasachaidh   IONMHUINN,; 

Anns  an  iomradh  air  an  Urramach  Domh- 
null  Domhnullach,  Nis,  a  chuir  mi  thugaibh  agus 
a  chuir  sibhse  an  clodh  ann  am  mios  August, 
tha  iomrall  beag  a  bu  mhaith  leam  a  chur  ceart. 
Dh'ainmich  mi  gur  h-e  ant-Urramach  DomhnuU 
Mac  Artair,  Bhatarnis  an  Rilein  Sgitheanaich, 
an  aon  fhear  a  tha  beo  de  na  ministearan  a  bha 
suidhichte  anns  an  Eaglais  Shaoir  an  Leodhas 
aig  a'  cheud  Aonadh.     Ann  a  bhi  ag  radh  sin 


rinn  mi  diochuimhne.  Tha  fear  eile  beo  a  bha 
suidhichte  anns  an  Eaglais  Bheurla  an  Steorna- 
bhagh (Eaglais  Mhartainn),  an  t-Urramach 
Iain  S.  Domhnullach,  D.D.,  a  tha  nis  'na 
mhinistear  ann  an  Syracuse,  ann  an  Staitean 
America.  Bu  mhaith  leam  gu  'n  cuireadh  sibh 
so  ceart  ann  an  aireamh  air  choreigin  de'n 
Mhiosachan,  aon  chuid  'n  'ur  cainnt  fhein,  air 
neo  leis  an  litir  so. 

Le  speis  is  deagh-ghean, 

RUAIRIDH    MOIREASDAN. 


Aireamh   12 


938 


Leanabh  an  Aigh 


Rugaclh  dhuinne  duine-cloinne  ;  thugadh  dhuinne  mac  ;  agus  bithidh  an  uachdaranachd  air  a  ghualainn , 
agus  goirear  mar  ainm  dha,  longantach.  .  .  ." — Isaiah  ix.  6. 

"  Is  althm  dkuihh  gras  ar  Tighearn  losa  Criosd,  ged  bha  e  saoibhir,  gidheadhgu'n  d'  rinneadh  bochd  e 
air  bJmr  son-se,  chum  gu'm  bitheadh  sibhse  saoibhir  tre  a  bhochdainn-san." — 2  Corint.  viii.  9. 


BLIADHNA  an  deidh  bliadhna,  aig  am  na 
Nollaige,  tha  an  saoghal  a'  beachdachadh 
le  ionghnadh  air  "  bochdainn  do-rannsaichte 
Chriosd."  "  Esan  a  bha  saoibhir,  rinneadh 
bochd  e  air  ar  son-ne  "  ;  cho  bochd  agus  nach 
robh  aige  air  uairean  aite  anns  an  leagadh  e  a 
cheann. 

'S  e  'n  t-iongantas  bu  mhiorbhuilich' 
Chaidh  ipnseadh  riamh  do  shluagh, 
An  Dia  bha  ann  o  shiorruidheachd 
Bhi  fas  'n  a  chiochran  truagh. 

Chan  urrainn  duine  air  bith  a  radh  le  cinnt 
car  son  a  riinaich  Dia  gu'm  bitheadh  a  Mhac 
'n  a  dhuine  bochd  ann  an  laithean  fheola  ;  air 
a  bhreith  ann  an  teaghlach  bochd,  gun  fhonn, 
gun  fhearann,  gun  airgiod  ;  agus  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  air  a  thiodhiacadh  ann  an  uaigh 
neach  eile.  Ach  air  do  Dhia  bochdainn  shaogh- 
alta  a  runachadh  agus  a  thaghadh  d'a  Mhac 
theid  againn  air  a  thuigsmn  an  deidh  laimhe  gu 
robh  sin  'n  a  bhuannachd  d'a  rioghachd  air 
thalamh.  l 

Bochdainn  Chriosd 

Tha  bochdainn  Chriosd  a'  teagasg  gu  bheil  a 
h-uile  leanabh  a  tha  air  a  bhreith  do'n  t-saoghal 
so  luachmhor  an  sealladh  Dhe,  co  dhiu  a  tha 
ann  mac  Prionnsa  a  tha  air  a  bhreith  ann  an 
liichairt  ghreadhnaich,  no  mac  ceaird  a  tha  air  a 
bhreith  ann  am  fasgadh  garaidh. 

Tha  bochdainn  Chi'iosd  'g  a  tharruing  na's 
dliiithe  do  mhor-shluagh  an  t-saoghail,  agus  a' 
toirt  dearbhachd  dhaibh  gur  h-aithne  dha  an 
cor.  Bha  e  sgith  agus  acrach,  agus  mar  sin  tha 
daoine  sgith  agus  acrach  air  thalamh  a'  creid- 
sinn  gu  bheil  co-fhaireachduin  aige  ann  an 
neamh  ri  anfhannachd  a  bhraithrean. 

Tha  bochdainn  Chriosd  a'  dearbhadh  nach 
ann  ann  an  ni  air  bith  eile  a  bha  a  chumhachd 
ach  a  mhain  'n  a  anam  fein,  anns  an  spiorad  a 
bha  an  taobh-a-stigh  dheth.  Inbhe  shaoghalta, 
eolas,  saoibhreas, — sin  na  nithean  a  bhitheas 
a'  togail  aon  duine  os  cionn  dhaoine  eile,  ach 
cha  b'  e  gin  de  na  nithean  sin  a  choisinn  uach- 
daranachd do  Chriosd.  Agus  a  thuilleadh  air 
sin,  leis  gu'n  do  runaich  Dia  nach  bitheadh  a 
Mhac  gradhach  an  eisiomail  nan  nithean  sin, 
tha  e  a'  teagasg  nach  'eil  luach  air  bith  anns 
na  nithean  sin  an  coimeas  ris  an  oighreachd  a 
tha  aiff  a  h-uile  neach  mar  mhac  do  Dhia. 


Uabhar  na  beatha 
An  aite  air  bith  anns  am  faicear  e  tha  uabhar 
na  beatha  'na  rud  amaideach,  ach  an  lathair 
ionghnadh  Bhetleheim  tha  e  'na  rud  narach. 
Is  ion  do  dhaoine  a  tha  'g  am  meas  fein  na's 
fearr  na  daoine  eile,  agus  a'  deanamh  taire  air 
daoine  eile,  naire  a  bhi  orra  aig  a  h-uile  am,  ach 
is  ion  dhaibh  naire  a  bhi  orra  aig  am  na  Nollaige 
gu  sonruichte,  oir  tha  an  inntinn  sin  calg- 
dhireach  an  aghaidh  na  h-inntinn  a  bha  ann  an 
Criosd,  agus  an  aghaidh  a'  ghutha  a  tha  a' 
tighinn  o  Bhetlehem  !  Cluinnear  teachdair- 
eachd  Bhetleheim  ann  an  iomadh  guth,  ach 
cluinnear  gu  soilleir  e  ann  an  guth  Phoil,  '_'  Na 
bitheadh  bhur  cion  air  nithibh  arda,  ach  cuiribh 
sibh  fein  an  comh-inbhe  riusan  a  tha  iosal.  Na 
bithibh  glic  'n  'ur  barail  fein." 

Cha  tainig  e  riamh  a  steach  air  inntinn 
Chriosd  gu  robh  e  a'  deanamh  miighaidh  air 
bith  do  "  bheatha  "  duine  co  dhiu  a  bha  e  bochd 
no  beartach,  ach  a  mhain  gu  robh  e  na  bu 
duiliche  do  dhaoine  beartach  dol  a  steach  do 
rioghachd  neimh.  Thubhairt  e  nach  b'  ann 
anns  na  nithean  sin  a  bha  "  beatha  "  an  duine. 
Tha  "  beatha  "  an  duine  anns  an  daimh  anns 
a'  bheil  e  ri  Dia  ;  is  mac  no  nighean  do  Dhia  a 
h-uile  leanabh  a  tha  air  a  bhreith  ;  an  coimeas 
ris  a'  bhoinn  sin  a  tha  'g  an  ceangal  ri  cheile 
chan  'eil  anns  na  nithean  a  tha  a'  deanamh 
atharrachaidh  eatorra,  airgiod,  no  inbhe,  ach 
neo-ni.  Cuiridh  Betlehem  smal  eadhon  air 
an  or. 

Farmad  is  gamhlas 

Ach  ma  tha  e  an  aghaidh  inntinn  Chriosd 
gu'm  biodh  daoine  beartach  taireil  air  daoine 
bochda,  tha  e  a  cheart  cho  fada  an  aghaidh 
inntinn  Chriosd  gu'm  biodh  daoine  bochda 
farmadach  no  gamhlasach  ri  daoine  beartach 
a  chionn  gu  bheil  barrachd  de'n  t-saoghal  aca 
na  tha  aca  fein.  Tha  iad  le  cheile  a'  dichuimh- 
neachadh  nach  'eil  claon-bhaigh  aig  Dia  ri  aon 
neach  seach  ri  neach  eile,  no  ri  aon  seorsa 
dhaoine  seach  ri  seorsa  eile  ;  tha  a  ghradh-san 
a'  cuartachadh  nan  uile  ;  is  tha  soisgeul  a  mhic 
a'  tairgsinn  na  h-aon  saorsa  do  ludhaich  agus 
do  Chinnich,  do  dhaoine  geala  agus  do  dhaoine 
dubha. 

Gle  thric  tha  inntinn  an  t-saoghail  agus 
doighean  an  t-saoghail  a'  freumhachadh  anns 


2 


LEANABH  AN  AIGH— ANNS  A'  CHATHAIR 


an  eaglais,  agus  ann  an  creidmhich  a  tha  ag 
aideachadh  Chriosd,  air  chor  agus  gu'n  saoil  iad 
"  gur  e  an  duine  an  t-aodach,"  agus  gu'n  toir 
iad  ui'ram  do  neach  aig  a  bheil  fainne  air  a 
mheur,  co  dhiu  a  tha  e  airidh  air  urram  no  nach 
'eil,  ach  tha  an  guth  a  tha  a'  teachd  d'  ar  n- 
ionnsuidh  o  Bhetlehem  ag  iarraidh  orra  an 
taois  ghoirt  sin  a  chur  a  mach  as  an  cridheachan, 
agus  an  earrann  so  de  shoisgeul  Chriosd  a 
leughadh  a  ris  :  "  Air  do  losa  leanabh  beag  a 
ghairm  d'a  ionnsuidh,  chuir  e  'n  am  meadhon 
e  ;  agus  thubhairt  e  riu,  Gu  firinneach  tha  mi 
ag  radh  ribh,  Mur  iomjjaichear  sibh  agus  mur 
bi  sibh  mar  leanaban,  nach  teid  sibh  a  steach 
do  rioghachd  neimh.  Ge  b'e  dh'  islicheas  e 
fein  mar  an  leanaban  so,  is  e  sin  fein  as  mo  ann 
an  rioghachd  neimh." 

Laigse  a  dhaonnachd 
Ach  bha  Criosd  air  a  dheanam.h  bochd  air  ar 
son-ne  ann  an  seagh  as  doimhne  na  bochdainn 
shaoghalta.  B'  aithne  do  na  h-abstoil  gu  maith 
gur  e  duine  bochd  a  bha  ann  an  Criosd,  agus 
gur  ann  ann  an  teaghlach  bochd  a  rugadh  e  ; 
b'  aithne  dhaibh  nach  robh  airgiod  no  or  aige, 
tigh'no  fearann,  agus  nach  d'  fhag  e  dad  as  a 
dheidh  ach  a  mhain  an  t-aodach  i  bha  uime. 
Ach  cha  b'  ann  air  a'  bhochdainn  shaoghalta  so 
a  bha  na  h-abstoil  a'  smuaineachadh  an  uair  a 
sgriobh  iad  mu  staid  iosal  Chriosd,  ach  mu'n 
astar  neo-chriochnach  a  bha  eadar  gloir  a 
dhiadhachd  agus  laie'se  a  dhaonnachd. 


Bha  na  h-abstoil  uile  a'  creidsinn  gu'm  b'  e 
Criosd  Mac  Siorruidh  Dhe,  a  bha  maille  ris  an 
Athair  o  thiis,  leis  an  do  chruthaicheadh  na 
h-uile  nithean  air  neamh  agus  air  thalamh  ;  am 
Facal  siorruidh  a  bha  maille  ri  Dia,  ach  a  thainig 
do'n  t-saoghal,  agus  a  bha  air  a  dheanamh  'na 
f  heoil.  Agus  is  e  an  isle  agus  an  laigse  dhaonna 
gus  an  do  chrom  e  le  a  shaor  thoil  fein  a  bha  'n 
an  inntinn  an  uair  a  bhiodh  iad  a'  bruidhinn  air 
"  bochdainn  Chriosd."  Le  a  dhiadhachd  a  bhi 
ag  comhnuidh  am  feoil  rinn  e  priosanach  dheth 
fein  ann  an  tigh  talmhaidh  a'  chuirp,  air  chor 
agus  ged  bha  e  neo-chruthaichte  agus  co-ionnan 
ri  Dia,  gu'n  robh  nithean  ann  nach  b'  aithne 
dha,  agus  nithean  nach  b'  urrainn  dha  a  dhean- 
amh, agus  gu  robh  e  anns  na  h-uile  nithean  air 
a  dheanamh  coltach  ri  bhraithrean. 

Ciod  an  t-ainm  eile  ach  longantach  a  ghoirear 
do'n  leanabh  bhochd  so  a  rinn  moran  saoibhir 
le  a  bhochdainn,  no  ciod  an  t-ainm  eile  a 
bheirear  do'n  ghniomh  a  rinn  e  'nuair  a  dh' 
irioslaich  e  e-fein  agus  a  ghabh  e  air  fein  nadur 
ar  daonnachd-ne,  ach  gras  ;  gras  Dhe  ;  gras- 
saoraidh  Dhe  ? 

Bha  broclach  aig  na  sionnachaibh 

'G  am  fohichadh  o  theinn 
Bha  nid  aig  eunlaith  'n  adhair  fos 

An  geugaibh  ard  nan  crann  ; 
Ach  esan  a  rinn  uile  iad, 

'S  gach  ni  's  a  chruinne-che, 
Bha  e  fein  'n  a  fhogarrach, 

Gun  chomhnuidh  aig'  fo'n  ghrein. 


Anns  a'  Chathair 


THUBHAIRT  an  t-Easbuig  Tearlach  Gore 
uaireigin  nach  'eil  puing  eile  ann  an  teagasg 
a'  Bhiobuill  as  duiliche  a  chreidsinn  na  "  gur 
gradh  Dia."  Cha  bu  duine  Tearlach  Gore  nach 
robh  a'  tomhas  a  bhriathran  gu  ciiramach,  agus 
ged  tha  am  facal  so  car  dorcha  agus  car  ion- 
gantach  air  a'  cheud  shealladh,  tha  mi  an  diiil 
gu  bheil  e  fior. 

Tha  sinn  air  fas  cho  cleachdte  ri  bhi  a' 
cluinntinn  gradh  Dhe  air  a  shearmonachadh 
gun  cheisd,  gun  teagamh,  's  nach  'eil  sinn  a' 
smuaineachadh  idir  ciod  a  tha  briathran  an 
t-searmonaiche  a'  ciallachadh,  gus  an  toir 
rudeigin  oirnn  stad  air  ar  ceum  agus  na  diadh- 
airean  a  cheasnachadh. 


Air  a'  bho  'n-uiridh,  ann  am  baile  beag  ann  an 
diithaich  nach  ruig  mi  a  leas  ainmeachadh,  bha 
caraid  og  ghaolach  a'  fuireach  ann  an  tigh  beag 
air  machair  reidh.  Bha  iad  bliadhna  posda,  is 
bha  iad  cho  companta  agus  cho  toilichte  le  cheile 
's  nach  b'  fhaide  a'  bhliadhna  sin  na  seachduin. 
Bha  iad  le  cheile  diadhaidh  ;  agus  baigheil, 
coibhneil,  r'  an  coimhearsnaich.  An  uair  a 
thoisich  iad  ri  fiughair  a  bhi  aca  ri  leanabh  bha 


cupan  an  solais  Ian,  is  bha  uidheamachadh 
gaolach  air  a  dheanamh  air  son  an  leinibh,  a 
tharruing  na  parantan  ri  cheile  ann  an  daimh  a 
bu  dliiithe  agus  a  bu  diomhaire  na  rinn  eadhon 
an  gaol  d'a  cheile,  ged  bu  mhor  an  gaol  sin. 

Is  ann  air  maduinn  na  Sabaid  a  dh'  fhas  an 
6g-bhean  tinn.  Cha  robh  fiamh  no  eagal  air  an 
dotair  no  air  a'  bhanaltrum  an  uair  a  rainig  iad, 
oir  bha  fhios  aca  gu  robh  i  laidir,  fallan,  agus 
nach  robh  fath  eagail  ann.  Thubhairt  iad  ris 
an  duine  gu'm  b'  fhearr  dha  dol  do'n  eaglais 
mar  b'  abhaist  dha  ;  nach  robh  ciiisean  cabh- 
agach,  agus  gu'n  robh  e  cho  maith  leo  e  bhi  as 
an  rathad  co  dhiu. 

Sin  a  rinn  e  ;  chaidh  e  do'n  eaglais,  agus  b'e 
an   ceann   teagaisg   a  bha   aig   a'   mhinistear, 

Tha  fhios  againn  gu'n  comh-oibrich  na  h-uile 
nithean  chum  maith,  do'n  dream  aig  a  bheil  gradh 
do  Dhia,  eadhon  dhaibh- s an  a  ghairmeadh  a  reir 
a  riiin." 

Thainig  e  'n  a  inntinn  gu  robh  comhf  hurtachd 
mhor  anns  na  briathran,  agus  gu  robh  e  cho 
cinnteach  as  a  ghradh  fein  do  Dhia,  agus  gradh 
a  mhnatha  cuideachd,  's  gu'm  faodadh  iad  an 
gealladh  so  a  thagar  anns  an  t-suidheachadh 
anns  an  robh  iad.     Cha  c^al  e  moran  de  na 


ANNS  A'  CHATHAIR 


thubhairt  am  ministear,  oir  bha  'inntinn  an  aite 
eile,  ach  bha  an  ceann-teagaisg  'n  a  thaic  dha. 
Cha  robh  e  air  falbh  o'n  tigh  ach  mu  dha  uair 
an  uaireadair  uile  gu  leir.  Beagan  an  deidh 
dha  an  tigh  f  hagail  f  huair  a  bhean  leanabh-mic, 
paisde  lurach,  laidir  ;  ach  an  uair  a  bha  an 
dotair  agus  a'  bhanalti-um  air  gach  ciiis  a  chur 
ceart,  agus  a'  sineadh  an  leinibh  ri  taobh  a 
mhathar,  thainig  sgrios  agus  bas  air  an  tigh  as 
an  iarmailt  le  fuaim  a  b'  eagalaiche  na  tairn- 
:  eanach.  Chaidh  rud-eigin  cearr  anns  an 
'  acfhuinn  aig  bata-adhair  a  bha  dol  seachad, 
agus  ged  b'  fharsuing  an  saoghal  dhi,  is  ann  air 
fior  mhullach  an  tighe  ud  a  thuit  i  le  sgleog  a 
chuir  a  cheann  'n  a  bhroinn,  agus  a  chuir  i  f  hein 
'n  a  criomagan,  agus  air  theine. 

Bha  an  dotair  air  a  mharbhadh,  agus  am 
paisde  agus  a  mhathair,  agus  an  dithis  ghillean 
a  bha  anns  an  t-soitheach-adhair,  ach  gu 
miorbhuileach  fhuair  a'  bhanultrum  a  mach  as 
an  tigh  beo. 

Am  fear  a  dh'  fhag  a  thigh  agus  a  bhean  cho 
sona  anns  a'  mhaduinn,  b'e  sud  an  sealladh 
a  bha  a'  feitheamh  air  'nuair  a  thainig  e 
dhachaidh. 

"  A  Thighearna  na'm  biodh  tusa  an  so,  chan 
fhaigheadh  mo  bhrathair  bas." 

C'aite  an  robh  aingeal  an  Tighearn  a  dh'  fhosgail 
dorsan  a'  phriosain  do  Pheadar  anns  an  oidhche  ? 

No  c'aite  an  robh  na  h-ainglean  d'a  bheil  Dia  a' 
toirt  aithne  mu  thimchioll  a  shluaigh,  chum  an 
gleidheadh  'n  an  slighean  uile  ? 


Ach  ged  bu  bhronach  an  rud  ud  a  thachair 
chan  'eil  ann  ach  aon  osna  bheag  de  thorman 
broin  an  domhain.  An  1755  bha  baile  Lisbon 
air  a  sgrios  le  crith-thalmhainn  ann  am  beagan 
mhionaidean,  is  bha  corr  agus  tri  fichead  mile 
air  am  marbhadh.  Cha  b'e  mi-chiiram  dhaoine 
a  b'  aobhar  do'n  sgrios  ud  ;  cha  robh  anns  a' 
chrith-thalmjiainn  ach  an  rud  ris  an  abrar 
gniomh  Dhe.  Ach  tha  am  BiobuU  ag  radh  gur 
gradh  Dia  ;  gu  bheil  Dia  ceart  'n  a  uile 
shlighean  agus  naomh  'n  a  uile  ghniomharan. 
A  bheil  dearbhadh  air  bith  ri  fhaicinn  anns  a' 
Chruthachadh  gu  bheil  sin  fior  ? 

Ma  their  thu  gur  e  breitheanas  o  neamh  a 
bha  ann,  no  na'n  comharraicheadh  Dia  aingidh- 
eachd  nach  seasadh  aon  neach  no  aon  bhaile 
'n  a  lathair,  car  son  a  thuit  breitheanas  air 
Lisbon  seach  air  Paris  no  air  Lunnainn  ?  Ma 
bha  Dia  toileach  air  Sodom  a  shaoradh  na'm 
faighteadh  deich  no  fichead  ionracan  ann,  car 
son  nach  do  shaor  e  Lisbon  air  sgath  nam  ban 
naomh  ris  an  abrar,  Peathraichean  na  Trocair, 
agus  air  sgath  na  cloinne  ?  Ach  mar  nach  bu 
leor  an  sgrios  a  rinn  a'  chrith-thalmhainn,  an 
deidh  na. crith-thalmhainn  thainig  tuil,  a  bhath 
a'  chuid  sin  de'n  chloinn  agus  de  Pheathraichean 
na  Trocair  nach  robh  cheana  air  am  marbhadh. 


An  e  so  Satan? 

Am  measg  treubh  shonyaichte  de  chinnich 
na  h-Afric  tha  e  air  a  radh  gu  bheil  an  t-Ui-ra 
Mor  a  chruthaich  an  saoghal  'n  a  Spiorad  Maith, 
a  tha  a'  riinachadh  maith  do  dhaoine  air 
thalamh,  ach  gu  bheil  burraidh  no  amhlair  de 
leth-bhrathair  aige  a  bhios  a'  cur  a  chorraig  ann 
an  gnothuichean  gun  sgur,  agus  a'  milleadh 
cuid  a  dh'  obair  am  Urra  Mhoir.  Sin  an  doigh 
anns  a  bheil  iad  a'  cur  soluis  dhaibh.fein  air 
tubaistean  is  nithean  deuchainneach  nach  'eil 
furasd  a  thuigsinn,  ma  tha  Dia  an  da  chuid 
uile-chumhachdach  agus  iomlan  'n  a  mhaitheas. 

Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  Dia  agus  ar 
Mathair-thalmhainn  ?  Le  ar  mathair-thalmh- 
ainn  tha  mi  a'  ciallachadh,  An  Cruthachadh ; 
a'  ehom  agus  am  broilleach  as  an  tainig  sinn, 
no  Nadur,  mar  is  trice  a  their  daoine,  ged  nach 
toigh  leam  am  facal  sin  an  Gaidhlig  ;  is  f  hearr 
leam  ar  Mathair-thalmhainn  a  radh  ris  an  rud 
ris  an  abrar  's  a  Bheurla,  Nature.  Ciod  an 
daimh  a  tha  eadar  ar  Mathair-thalmhainn  agus 
Dia  ?  An  e  guth  an  Tighearn  a  tha  sinn  a' 
cluinntinn  ann  an  gniomharan,  no  ann  an 
saothair  ar  Mathair-thalmhainn,  no  am  faodar 
na  guthan  ris  a  bheil  ise  a'  labhairt  ruinn  a 
ghabhail  mar  fhoillseachadh  air  nadur  agus 
riiintean  Dhe  ? 

Cridhe  cruaidh 

Ged  nach  toigh  le  mac  gaolach  dad  cearr  a 
radh  m'a  mhathair  tha  eagal  orm  nach  gabh 
e  ceiltinn  gu  bheil  cridhe  ar  Mathar-thalmh- 
ainn  cho  cruaidh  ri  marabal  agus  cho  fuar 
ris  a'  bhas,  gun  truacantas,  gun  trocair.  Co 
riamh  a  chunnaic  a'  mhuir  a'  sileadh  dheur  a 
chionn  gu  robh  daoine  'g  am  bathadh  ?  Is 
coma  leis  a'  mhuir  ciod  a  dh'  eireas  do  chloinn- 
daoine. 

Chan  e  mhain  gu  bheil  ar  mathair-thalmh- 
ainn gun  truacantas,  ach  air  uairean  tha  a 
choslas  oirre  a  bhi  gun  chiall  ;  mar  gu'n 
rachadh  i  airmhire-chuthaich  millidh  is  sgrios- 
aidh  i  ann  an  uair  a  dh'  tiine  obair  air  an  do 
shaothraich  i  fad  aois-duine.  Sracaidh  an 
dealanach  ann  an  tarruing  na  h-analach  a' 
chraobh  mhaiseach  a  bha  ceud  bliadhna  a'  fas. 
Na  blathan  agus  na  measan  ris  an  do  ghabh  i 
uiread  saothair  agus  ciiraim  anns  an  t-samhradh, 
seargaidh  i  iad,  agus  ni  i  iad  gun  fheum,  le  aon 
oidhche  reodhaidh. 

Tha  ar  mathair-thalmhainn  laidir  agus  seolta, 
agus  maiseach  eadhon  'na  feirg,  ach  co  is 
urrainn  a  radh  gu  bheil  i  truacanta  no  gaolach  ? 
Ged  tha  a  clann  a'  marbhadh  agus  ag  itheadh 
a  cheile  gun  sgur,  tha  ise  coma,  is  chan  'eil  i  a' 
gabhail  suim.  An  uair  a  sgeitheas  a'  bheinn- 
theinnteach,  agus  a  thachdas  i  le  luaithre-theine 
leth-cheud  mile  duine,  no  bhios  muillean 
mhnathan  agus  phaisdean  air  am  bathadh  leis 
an  abhainn  mhoir  an  China,  cha  chuir  sin  am 


ANNS  A'  CHATHAIR— AM  BRAGHAID  ALBAN  AINMEIL 


bron  as  lugha  air  ar  mathair-thalmhainn,  is  cha 
tarruing  e  aon  osna  bho  a  cridhe  cruaidh. 

Cogadh  uamhasach 

Is  ise  mathair  nan  uile  bheo,  ach  chan  e 
mhain  gu  bheil  i  coma  ged  dh'  itheadh  a  clann 
a  cheile  ach  is  e  i  fhein  a  dh'  ionnsaich  dhaibh 
sin  a  dheanamh  ;  is  thug  i  dhaibh  armachd 
agus  innleachdan  leis  a  bheil  cogadh  uamhasach 
a'  dol  air  aghaidh  gun  sgur  air  uachdar  na 
talmhainn,  cogadh  anns  am  feum  mac  an  duine 
pairt  a  ghabhail  chum  a  bheatha  fhein  a  dhion. 
Tha  deich  muillean  de  sheorsachan  mheanbh- 
bhiastagan  (snaigeach  no  iteagach)  anns  a' 
chruthachadh,  ach  tha  a  namhaid  fein  aig  gach 
seorsa  dhiubh  sin,  aon  chreutair  ag  itheadh  a' 
chreutair  eile,  gun  naire,  gun  iochd.  Cha  do 
chuir  ar  mathair-thalmhainn  Pacificm  ann  an 
aoraibh  gin  d'a  cloinn  riamh.  C'aite  air  bith 
an  d'  fhuair  mac  an  duine  an  teagasg  sin  chan 
ann  o  mhathair-thalmhainn,  oir  tha  e  calg- 
dhireach  an  aghaidh  an  diithchais  a  fhuair  e 
bhuaipe-se.  Is  e  an  diithehas  a  tha  ise  a'  toirt 
dhaibh,  earbsa  a  chur  'n  an  luathas  agus  'n  an 
neart  fein,  agus  am  brathair  as  lugha  agus  as 
laige  itheadh,  m'  an  ith  esan  iadsan. 

Ma  tha  Dia  iomlan  'n  a  ghradh  agus  'n  a 
mhaitheas  car  son  a  rinn  e  an  saoghal  air  a 
leithid  de  dhoigh  's  nach  e  a  mhain  gu  bheil  an 
amhghar  agus  am  pian  so,  agus  am  marbhadh 
so,  a'  dol  air  aghaidh  ann,  ach  nach  'eil  dochas 
air  bith  againn  gu'n  sguir  e  gu  brath  ?  Ach 
ged  tha  daoine  a'  cur  na  ceiste  sin  air  Dia  bho 
thoiseach  an  t-saoghail  cha  tug  Dia  lan-fhreag- 
airt    dhi    riamh.      Eadhon     amis     an    fhoill- 


seachadh  air  a  riiintean  a  thug  e  dhuinn  ann 
an  losa  Criosd  cha  tug  e  dhuinn  ach  leth- 
fhreagairt  ;  barantas  laidir  a  dh'  fhoghnas  do 
chreideamh,  ach  nach  'eil  a'  cur  teagaimh  as  an 
rathad  uile  gu  leir. 

An  aon  dearbhadh 

Cho  fad  's  is  leir  dhomhsa,  no  tha  mo  thuigse 
a'  dol,  chan  'eil  dearbhadh  air  bith  ri  fhaicinn 
ann  am  beatha  nadurra  a'  chruthachaidh  gur 
e  Neach  gradhach  a  rinn  e,  no  gu  bheil  truac- 
antas  affus  iochd  affus  moraltachd  na's  fhearr 
na  luathas  agus  neart  agus  seoltachd,  ann  an 
suilean  Urra  Mor  na  Cruinne.     Chan  fhaighear 
an  dearbhadh  sin  ann  an  aite  air  bith  eile  ach 
anns  a'  Bhiobull ;  anns  an  f  hoillseachadh  a  rinn 
Dia  air  fein  do  na  naoimh  troimh  na  linntean. 
agus  gu  sonraichte  anns  an  fhoillseachadh  a 
rinn  e  air  fein  ann  an  losa  Criosd  a  mhac,  a  leag 
sios  a  bheatha  fein  air  ar  son-ne.     "  Tha  Dia 
a  moladh  a  ghraidh  fein  duinne  do  hhrigh  an  uair 
a  hha  sinn  fathast  'n  ar  peacaich,  gu'n  do  hhasaich 
Criosd  air  ar  son."     Sin  agad  an  aon  dearbhadh 
as  urrainn  dhuit  f  haotainn  ann  an  aite  air  bith , 
gur  gradh  Dia,  ach  tha  an  dearbhachd  so  air 
a  thoirt  do  chreideamh  a  mhain.     Ma  tha  an 
dearbhachd  so   'n  ad  chridhe  tre  chreideamh 
agus  tre  Fhacal  Dhe,  theagamh  gu'n  cluinn  thu    i 
iomadh  guth,  mor  agus  beag,  anns  a'  Chruth-    1 
achadh  a'  toirt  dhuit  fianuis  air  gradh  Dhe,  agus 
mar  sin  a'  neartachadh  do  chreidimh,  ach  mur 
bheil  an  creideamh  so    'n  ad  chridhe  cheana, 
chan    'eil    dad    ri    fhaicinn    ann    am    beatha  ] 
dhiomhair   no  fhoUaisich    a'    Chruthachaidh    a  -; 
dhiiisgeas  ann  e. 


Am  Braghaid  Alban  Ainmeil 

Le  Seumas  Mac  Gille  Mhicheil  Watson,  M.A.,  Ard  Fheah-teagaisg  na  Gaidhlig, 

AN    OiLTHIGH    DhUN-EIDEANN 


Is  e  so  ainm  an  leabhair  eireachdail,  luach- 
mhoir  a  sgriobh  an  t-Urramach  Uilleam  Mac 
Gille  losa,  B.D.,  Ministear  a'  Cheannmhoir,  air 
eachdraidh  na  cearna  sin  de  shiorramachd 
Pheairt  anns  a  bheil  e  air  earrann  mhor  de  a 
bheatha  a  chur  seachad  a'  saothrachadh  ann 
an  aobhar  an  t-Soisgeil  air  bruachaibh  Locha 
Tatha.  Tha  e  air  a  bhith  a'  sgriidadh  agus  a' 
rannsachadh  gach  leabhair  agus  gach  lamh- 
sgribhinn  thall  agus  a  bhos  re  corr  agus  fichead 
bliadhna,  agus  anns  an  leabhar  so  tha  dioghlum 
na  h-obrach  sin  air  a  chur  cruinn  ann  an  leabhar 
anns  a  bheil  corr  agus  ceithir  cheud  taobh- 
duilleig. 

Tha  moran  de  eachdraidhean  againn  an 
Albainn  air  an  sgriobhadh  mu  thimchioU  shiorr- 
amachdan  agus  sgireachdan,  agus  tha  e  'na 
aobhar  thoileachais  do'n  fheadhainn  sin  aig  a 
bheil  iiidh  ann  an  seann  eachdraidh  an  duthcha 


fhein  gu  bheil  an  leabhar  so  mu  chearn  cho 
ainmeil  agus  cho  breagh  de'n  diithaich  ri 
Braghaid  Alban  air  a  chur  ris  an  aireamh  ;  gu 
h-araidh  'nuair  a  tha  e  air  a  sgriobhadh  le 
sgoilear  a  tha  cho  mion-eolach  air  an  diithaich 
agus  air  a'  chanain  a  bha  air  a  labhairt  innte. 
Anns  an  am  a  chaidh  seachad  chaidh  cus  de 
leabhraichean  mu  eachdraidh  na  h-Albann  a 
sgriobhadh  le  daoine  a  bha  tur  aineolach  air 
canain  agus  litreachas  na  duthcha  ;  agus  mar 
sin  cha  robh  tuigse  no  breithneachadh  aca  air 
cor  agus  faireachdainnean  an  t-sluaigh,  agus 
cha  b'aithne  dhaibh  eachdraidh  a  thoirt  a 
ainmean  nan  aitean.  Ach  tha  a  h-uile  ni  de 
so  riatanach  mun  urrainn  do  neach  eachdraidh 
diithcha  sam  bith  a  sgriobhadh. 

Is  e  Braghaid  Alban  ainm  na  duthcha  a  tha 
mun  cuairt  cuid  de  Loch  Tatha  agus  aitean  a; 
tha  aig  ceann  an  iar  an  locha,  mar  a  tha  Gleannj 


AN  T-URRAMACH  RAONULL  KERR,  B.D.,  NACH  MAIREANN 


Locha,  Gleann  Dochart,  agus  Srathaibh  Fhaol- 
ain.  Tha  mu  dha  f  hichead  mile  air  fad  ann  bho 
Rinn  Liomhunn  gu  Cam  Droma.  Is  e  each- 
draidh  an  fhearainn  sin  a  tha  an  t-iighdar  ag 
innse  a  nuas  bho  na  hnntean  dorcha  anns  an  do 
thogadh  na  Cearcaill  Chlach  gus  an  latha  an 
diugh.  Tha  moran  fiosrachaidh  ri  fhaotainn 
ann  air  an  Eaglais  Cheiltich  agus  air  naoimh 
na  h-Eaglaise  sin,  mar  a  tha  Faolan  agus 
Adhamhnan,  a  bha  a'  craobh-sgaoileadh  an 
t-Soisgeil  mu  chu'airt  Locha  Tatha,  agus  a 
dh'fhag  an  ainmean  ann  gus  an  latha  an  diugh. 
Tha  cunntas  air  a  thoirt  dhuinn  air  mar  a  ghlac 
na  h-Albannaich  ceannas  anns  an  diithaich,  a' 
sior  shathadh  a  steach  bho  Earra  Ghaidheal, 
car  coltach  ris  mar  a  rinn  na  Caimbeulaich  sia 
ceud  bliadhna  'na  dheidh  sin. 

Ach  ma  dhThaodas  neach  iomradh  araidh  a 
thoirt  air  earrann  sam  bith  de'n  leabhar  seach 
a  cheile  faodar  a  radh  gur  h-e  na  caibidilean  mu 
na  teaghlaichean  agus  mu  na  fineachan  a  bha 
a  chomhnaidh  am  Braghaid  Alban  as  motha  a 
ghlacas  aire  an  fhir-eachdraidh.  Ann  a  bhith 
a'  sgriobhadh  eachdraidh  nan  teaghlaichean 
sin  sgriid  an  t-iighdar  rnoran  de  phaipearan 
agus  de  lamh-sgribhinnean  de  nach  d'rinneadh 
feum  gu  ruige  so  le  luchd-eachdraidh.  Mar 
thoradh  air  so  tha  cunntas  nas  fhearr  aige  air 
Clann  an  Aba  na  tha  ri  fhaotainn  an  leabhar  sam 
bith  eile.  O'n  a'  choigeamh  linn  deug  is  e 
eachdraidh  Bhraghaid  Alban  eachdraidh  nan 
Caimbeulaeh,  ach  is  docha  nach  'eil  fhios  aig 
a  h-uile  neach  nach  robh  ploc  talmhainn  aig  na 
Caimbeulaich  am  Braghaid  Alban  roimh  an 
choigeamh  linn  deug,  ged  a  bha  ceithir  cheud 
mile  acair  aig  an  treas  Marcus  goirid  mun  do 
chaochail  e.  Ach  bha  na  Caimbeulaich  riamh 
math  air  cur  I'is  an  f  hearann  agus  faodar  a  bhith 
cinnteach  nach  ann  gun  ainneart,  gun  cheilg, 
gun  mhurt  agus  gun  mharbhadh,  a  rinn  iad  sin. 
Chreach  iad  Clann  Ghriogoir  agus  CJann  an 
Aba  agus  iomadh  Clann  eile  gun  chasg  a  chur 
air  an  ciocras  fearainn.  Do  na  treubhan  sin 
b'e  sliochd  nan  cuilean  gun  bhaidh  an  da-riribh 
a  bha  ann  an  Tighearnan  Ghlinn  Urchaidh, 
daoine  borba  cruaidh-chridheach  mar  Cailean 
Liath  agus  Donnchadh  Dubh  a'  Churraic.  Cha 
robh  suim  sam  bith  aca  sin  do  chleamhnas  no 
do  dhaltachas  no  do  bhuadhan  cliiiiteach  eile  a 
bha  a'  comharrachadh  an  fhior  Ghaidheil. 
Chaidh  na  Griogoirich  a  ruagadh  as  na  glinn 


a  bha  duthchasach  dhaibh  agus  cha  do  nochd 
na  Caimbeulaich  meachainn  eadhon  do  chlia- 
mhainn  Tighearna  Ghlinn  Liomhunn,  "  Griogal 
Cridhe,"  ceann-feadhna  Chloinn  Ghriogoir. 
Bha  murtairean  'gam  paigheadh  gu  Clann 
Ghriogoir  a  sgathadh  as  an  diithaich  agus  'nam 
measg-san  a  thuit  bha  dithis  mhac  Sheumais 
Mhic  Ghriogoir,  Deadhan  Lios  Mhoir,  a  bha 
'nan  comhnaidh  am  Fartairchill.  Nuair  a 
leughas  neach  an  eachdraidh  a  tha  so,  cha  chuir 
e  iongnadh  air  gun  do  sguab  an  dara  Marcus 
moran  theaghlaichean  bharr  an  fhearainn  anns 
an  d'fhuair  an  athraichean  am  beoshlainte, 
agus  chan  urrainn  sinn  uiread  urraim  a  thoirt 
do'n  duine  a  cheadaich  a  leithid  de  obair  agus 
a  bu  mhiann  leis  an  iighdar. 

Tha  moran  de  nithean  annasach  eile  anns  an 
leabhar  so  air  nach  urrainnear  iomradh  a  thoirt 
aig  an  am.  Gheibhear  eachdraidh  na  h- 
Eafflaise  bho  leabhraichean  na  Cleire.  Chithear 
nach  d'atharraich  nadur  an  duine  gu  mor. 
Bha  daoine  a'  briseadh  na  Sabaid  anns  na 
laithean  a  dh'fhalbh,  a'  tional  chnothan  anns 
a'  choille  agus  eadhon  a'  bleith  aig  a'  mhuilinn 
agus  ag  obair  anns  an  achadh.  Gheibhear  litir 
aighearach  ann  bho  Alasdair  Mac  Dhonn- 
chaidh,  Tighearna  Shruthain,  a'  deanamh 
casaid  ri  Ministear  a'  Cheannmhoir  a  chionn 
nach  robh  a  luchd-cinnidh  a  Sron  Fearnain  a' 
faighinn  an  aireamh  shuidheachan  bu  choir 
dhaibh  anns  an  eaglais.  Tha  e  air  son  an  corai- 
chean  fhaicinn  aig  a  chuid  dhaoine,  tha  e  ag 
radh,  ged  nach  'eil  e  a'  tuigsinn  ciod  e  a  tha  'gan 
cur  do'n  eaglais  do'm  buin  am  Ministear.  Chan 
'eil  e  air  innse  an  d'fhuair  Clann  Donnchaidh 
na  suidheachain.  Shuidhich  an  Seisean  gun 
cuireadh  iad  a'  chiiis  fa  chomhair  larla  Bhra- 
ghaid Alban,  ach  tha  eagal  oirnn  nach  fhaigh- 
eadh  Clann  Doimchaidh  cead  suidhe  nan 
tigeadh  air  Caimbeulaich  seasamh  air  tailleabh 
sin. 

Tha  caibidilean  anns  an  leabhar  air  sgoilean, 
air  beul-aithris,  air  ainmean  dhaoine  agus 
ainmean  aitean,  agus  air  iomadh  ni  eile  as 
urrainn  am  fear-leughaidh  a  rannsachadh  dha 
fhein.  Tha  an  leabhar  air  a  dheagh  dheasa- 
chadh,  agus  air  a  chlo-bhualadh  gu  snasail ;  agus 
tha  e  air  a  sgeadachadh  le  sar  dhealbhan  de 
aitean  cho  boidheach  agus  a  gheibhear  an 
Albainn.  Gu  dearbh  is  geal  as  fhiach  e  a 
leughaHh. 


An  t-Urramach  Raonuli  Kerr,  B.D.,  nach  maireann 


Le  Iain  Mac  Dhughaill,  am  Barraidh 


BHA  luchd-eisdeachd  Gaidhlig  aig  an  duine 
so  bho  thoiseach  gu  deireadh  a  mhinis- 
trealachd,  agus  is  iomadh  iad  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  agus  nan  Eileanan  a  bha  duilich 
nuair  a  thainig  'obair  gu  ceann,  is  aig  a  bheil 


mor  cho-fhaireachadh  ris   a'   bhantraich   agus 
ris  an  teaghlach  a  dh'  fhag  e. 

Rugadh  e  an  Arainn  an  1868,  agus  mar  a  rinn 
iomadh  eileanach  bg  eile,  an  uair  a  bha  e  deas 
air  son  cosnaidh  rinn  e  rathad  dha  fhein.  Chaidh 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


e  a  dh'  ionnsachadh  a  bhi  'na  sgiobair-mara,  ach 
mu  'n  do  chriochnaich  e  fhoghlum  air  son  na 
h-obrach  sin  bha  e  aig  a  leabhraichean  aon  latha 
nuair  a  labhair  guth  diomhair  ris  a  thubhairt, — 
"  cuir  uat  iad :  cha  bhi  feum  gu  brath  agad  orra." 
Sin  mar  a  rinn  e  air  obair  na  ministrealachd. 
Chaidh  fhoghlumadh  an  Oil-thigh  Ghlaschu 
agus  an  Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire  's  a' 
bhaile  sin  ;  agus  lean  e  air  foghlum  gus  an  do 
choisinn  e  B.D.  bho  Oil-thigh  Lunnainn  beagan 
bhliadhnachan  an  deidh  sin. 

Ann  an  1901  chaidh  a  shuidheachadh  le  Cleir 
Uidhist  ann  am  Beinn-na-faodhla.  Shaothraich 
e  's  an  diithaich  sin  an  deidh  an  diadhair  urram- 


aich,  Iain  Mac  Phail.  Lean  soirbheachadh 
agus  toileachadh  e  'na  shaothair  agus  'na 
theaghlach,  agus  is  ann  tre  stiiiireadh  agus  le 
cuideachadh  na  mna-uasail  a  tha  nis  'na  ban- 
traich  a  chaidh  an  Talla  feumail  a  tha  mach  a 
ceann  eaglais  Bheinn-na-faodhla  a  thogail.  Dh' 
fhag  e  an  duthaich  sin  an  1910  gu  bhi  'na 
mhinistir  anns  a'  Mhanachainn,  an  siorramachd 
Rois,  far  an  do  rinn  e  obair  mhaith  fad  fichead 
bliadhna.  Bha  e  uasal  'na  nadur,  taitneach  a 
bhi  'na  chuideachd,  agus  'na  theachdaire  dileas 
an  Tiomnaidh  Nuaidh  chum  buannachd  do 
mhoran.  'Se  cuimhne  agus  iomradh  maith  a 
bhitheas  air  anns  gach  aite  an  do  shaothraich  e. 


Aig  an  Uinneig 


Iain  R.  Bannerman  nach  maireann 

THA  e  'n  a  chall  an  iomadh  doigh  gu'n  tainig 
a'  chrioch  air  mo  sheana  charaid,  lain  Banner- 
man  ;  'n  a  chall  do  na  cairdean  (agus  is  lionmhor 
iad)  a  bhios  'ga  ionndrainn  ;  'n  a  chall  do  eaglais 
Chaluim-cille,  an  Glaschu,  far  an  robh  e  'n  a 
fhoirbheach  maith  ;  'n  a  chall  do  Cheilidh  nan 
Gaidheal,  air  an  robh  e  'n  a  f  hear  de  na  Cinn  o 
thoiseach  ;  agus  gu  sonruichte  do  'n  Chomunn 
Ghaidhealach,  d'  an  do  rinn  e  seirbhis  mhor  fad 
iomadh  bliadhna. 

Ged  nach  robh  sinn  a'  tachairt  air  a  cheile  ro 
thric  o  chionn  bhliadhnachan  b'  aithne  dhomh" 
Iain  Bannerman  gu  maith,  agus  b'e  an  seorsa 
eolais  a  bha  againn  air  a  cheile,  gu'm  faod- 
amaid  toiseachadh  a  dh'  aon  ruith  air  bruidhinn 
far  an  do  stad  sinn  an  uair  mu  dheireadh  a 
choinnich  sinn,  gun  uine  a  chosd  ag  urachadh 
ar  n-eolais  air  a  cheile. 

Bho  chionn  corr  agus  deich  bliadhna  fichead 
chuir  Iain  Bannerman  agus  mise  seachduin 
shona  seachad  comhla  anns  a'  Chrionan,  a' 
luingearachd  air  an  loch  ann  an  geola  bhig, 
agus  a'  sealgaireachd  ;  agus  air  uairean  a'  dol 
a  null  gu  Diiira.  Anns  na  laithean  ud  cha  robh 
e  cho  maith  air  Gaidhlig  's  a  bha  e  mu  dheireadh, 
ach  b'  e  an  aon  duine  a  bha  ann  o  oige  gu  aois  ; 
duine  laghach,  tiirail  ;  gun  sgleapaireachd  no 
meud-mhor  ;  gaolach  air  argumaid,  agus  reidh 
ciallach  ann  an  argumaid  ;  fiosrach,  agus  geur, 
agus  beo  'n  a  inntinn,  gun  bhi  'n  a  sgoilear  ; 
duine  modhail,  stuama,  a  bha  a'  toirt  an  aire 
air  a  ghnothuch  fhein,  agus  nach  gabhadh  iolla 
ri  daoine  eile,  agus  nach  abradh  dad  cearr 
umpa. 

Anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh,  an 
deidh  dha  a  dhreuchd  a  leigeil  dheth,  bha  lamh 
aige  ann  an  iomadh  gnothuch  a  bhuineadh  do 
thir  agus  do  chainnt  nan  Gaidheal,  agus  bha  a 
leithid  a  dh'  earbsa  aig  daoine  eile  'n  a  -chomh- 
airle  agus  'n  a  ghliocas,  's  gu  robh  aite  aige 
daonnan  am  measg  na  feadhnach  a  b'  fhaide 
a  stiffh  anns  na  ciiisean  sin.     Bha  e  maith  air 


Gaidhlig,  agus  maith  air  ceol ;  agus  ged  nach 
'eil  eolas  air  bith  agamsa  air  eachdraidh  dhiomh- 
air  a'  Chomuinn  Ghaidhealaich,  tha  amharus 
agam  nach  robh  duine  eile  anns  a'  Chonmnn 
sin  o  chionn  fichead  bliadhna  a  rinn  uiread 
oibrCjUO  a  thug  uiread  cuideachaidh  do'n  Rim- 
chleireach,  Niall  Mac  Gille  Sheathanaich,  ri 
Iain  Bannerman,  ach  a  mhain,  Calum  Mac 
Leoid.  Bu  choir  do  mhuinntir  na  Gaidhealtachd 
a  bhi  taingeil  gu  robh  an  Comunn  Gaidhealach, 
a  tha  nis  cho  follaiseach  am  fianuis  na  rioghachd 
uile,  ann  an  tomhas  mor  air  a  stiui'adh  le  da 
dhuine  cho  glic  agus  cho  ciallach  ri  Calum  Mac 
Leoid  agus  Iain  Bannerman.  Chan  abrainn 
gu  robh  aon  de  'n  dithis  lainnireach  'n  an  inntinn 
OS  cionn  chaich,  ach  bha  iad  seaghail  agus  glic, 
an  comhairle,  am  facal,  agus  an  gniomh.  Agus 
a  thuilleadh  air  sin  bha  iad  furasda  a  bhi  suas 
riu  ;  cha  do  mhill  na  caithrichean-arda  anns  an 
do  shuidh  iad  an  irioslachd  nadurra  a  rugadh 
leo,  is  bha  iad  cho  falamh  de  fhein-ghloir  agus 
de  fhaoin-uaill  ri  da  Ghaidheal  a  b'  aithne 
dhomh  riamh. 

Ged  nach  bitheamaid  a'  tachairt  air  a  cheile 
ach  annamh  bithidh  mi  'g  a  ionndrainn  gu  mor 
oir  bha  barrachd  is  meas  agam  air,  is  cha  bu 
toigh  leam  riamh  a  bhi  faicinn  anns  jia  paip- 
earan-naidheachd  gu'm  b'  athair  e  do  Iain  Og, 
mar  gu'm  b'  e  am  mac  a  bu  chliiitiche  na'n 
t-athair.  Ach  is  maith  a  dh'  eireas  do  Iain  Og 
anns  an  t-saoghal  so  ma  gheibh  e  gu  brath  cliii 
as  airde  na  gu'm  bu  mhac  athar  e. 

Calum  Mac  Leoid 

Bha  e  'n  am  inntinn  a  dheanamh  roimh  so, 
ach  dhichuimhnich  mi,  mo  bheannachd  fein 
agus  beannachd  ar  luchd-leughaidh  a  thairgsinn 
do  Chalum  Mac  Leoid,  air  dha  a  bhi  air  a 
dheanamh  'n  a  bhuirdeasach  saor  am  baile 
Steornabhagh.  Chan  'eil  mi  cinnteach  ciod  a 
tha  sin  a'  ciallachadh,  co  dhiubh  a  gheibh  e  air 
tir  gun  sgillinnean  a  phaidheadh  air  a'  cheithe, 
no  dh'  f  haodas  e  a  dhinnear  a  ghabhail  comhla  ris 


AIG  AN  UINNEIG— JERUSALEM 


a'  Phrobhaist  uair  sam  bith  a  thoilicheas  e,  ach 
ciod  air  bith  na  coraichean  no  na  sochairean  a 
bhuineas  dha,  thugadh  dha  saorsa  a'  bhaile  a 
chionn  gu'm  bu  mhaith  le  seanairean  agus  le 
muinntir  a'  bhaile  an  t-urram  a  b'  airde  a  b' 
urrainn  dhaibh  a  thoirt  seachad  a  thoirt  dha. 

Tha  e  'n  a  fhoirbheach  ann  an  te  de  na  h- 
eaglaisean  GaidhUg  a  tha  an  Glaschu,  agus  am 
measg  gach  rud  maith  agus  rud  gHc  eile  a  rinn  e 
riamh,  thoisich  e,  is  lean  e  fad  iomadh  bhadhna, 
air  dol  do  Cheilidh  nan  Gaidheal,  an  Glaschu, 
air  oidhche  Shathurna.  Chan  'eil  teagamh 
nach  robh  fhios  aige  gu  maith  gu  'n  saoileadh 
cuid  d'a  luchd-diithcha  nach  robh  e  freagarr- 
ach  do  fhoirbheach  a  bhi  air  cheann  nithean 
diomhain  agus  saoghalta  (mar  theireadh  iad), 
ach  leig  Calum  Mac  Leoid  le  comhairle  a 
chridhe  fein  seasamh,  is  lean  e  air  dol  do'n 
Cheilidh,  a  chionn  gu  robh  e  na  b'  fhearr  do 
Ghaidheil  oga  anns  a'  bhaile-mhor  a  cheile  a 
choinneachadh  aig  a'  cheilidh  na  air  na  sraidean, 
no  ann  an  aite  eile.  Chan  ann  le  teicheadh  air 
falbh  o'n  t-saoghal  a  gheibhear  buaidh  air  an 
t-saoghal,  ach  le  companas  agus  comhdhailean 
an  t-saoghail  a  dheanamh  glan  agus  neo- 
chiontach.  Bha  e  'na  bhuannachd  mhor'  duine 
cho  glie  agus  cho  faiceallach  ri  Calum  Mac 
Leoid  a  bhi  air  cheann  nan  coinneamhan 
Sathurna  ud  ;  a'  fosgladh  na  coinnimh  le 
urnuigh,  agus  a'  toirt  an  aire  gu'm  biodh  gach 
ni  air  a  dheanamh  gu  riaghailteach  agus  gu 
modhail,  gun  fhacal  cearr  no  salach.  Ma  tha 
e  cearr  do  neach  a  tha  aff  aideachadh  diadhaidh- 


eachd  eisdeachd  ri  oran,  no  oran  a  sheinn, 
eisdeachd  ri  dibhearsoin  shaoghalta,  no  dibhear- 
sain  shaoghalta  a  labhairt,  tha  na  garraidhean- 
criche  air  an  atharrachadh  seach  mar  a  thog 
Criosd  iad.  Ged  nach  ann  de  'n  t-seorsa  a 
bhios  a'  stri,  no  a'  glaodhach,  no  a'  togail  suas 
an  gutha  mar  ghall-truimp  a  tha  Calum  Mac 
Leoid,  'n  a  dhoigh  reidh,  chiallach  fein,  rinn 
e  barrachd  na  rinn  foirbheach  eile  as  aithne 
dhomh  gu  bhi  a'  briseadh  sios  seana  bhallachan 
a  thogadh  gun  aobhar  eadar  an  eaglais  agus 
an  saoghal.  Agus  ged  nach  deanadh  e  riamh 
ach  sin  fhein,  bu  mhaith  an  obair  e  ;  is  maith 
gu'n  nochdadh  foirbheach  do  dhaoine  oga  nach 
'eil  cron  no  peacadh  ann  an  oran,  no  ceol,  no 
caidreamh  is  abhacas  laghach,  ma  tha  iad  fhein 
agus  an  companaich  glan  agus  uasal.  Chan  e 
na  nithean  sin  a  thruailleas  an  cridhe,  ach  droch 
smuaintean  agus  uabhar  spioradail,  a  dh' 
fhaodas  a  bhi  ann  an  cridheachan  dhaoine  nach 
rachadh  gu  Mod  no  gu  coinneamh-chiuil  air 
son  na  chunnaic  iad  riamh. 

Tha  Calum  Mac  Leoid  'n  a  charaid  maith 
do  'n  Ghaidhlig  ;  'n  a  charaid  maith  do  mhuinn- 
tir  Leodhais  ;  ach  na's  fhearr  na  sin  air  fad, 
tha  e  'n  a  fhoirbheach  glic  agus  tuigseach  a 
rinn  Slighe  na  beatha  na  bu  reidhe  do  iomadh 
duine  bg  as  a'  Ghaidhealtachd  le  bhi  a'  nochd- 
adh dhaibh  'n  a  bheatha  fhein  gu'm  faod 
Criosduidh  an  saoghal  uisneachadh  gun  bhi  air 
a  shalachadh  leis.  Sin  an  t-aobhar  gu  bheil 
mi  'ga  ainmeachadh  le  urram  air  an  duilleig 
so. 


Jerusalem 


Leis  an  Uheamach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 

"  Bha  aoibhneas  orm  trath  thubhairt  lad 
Gu  tigh  Dhe  theid  sinn  suas  ; 
A'  d'  dhorsaibh,  0  Jerusalem, 
Ar  cosa  seasaidhfos,'^ 


BHA  aoibhneas  ormsa  cuideachd  a'  dol  suas 
as  an  Eiphit  do  ludea.  Chan  f  haod  gu'n  do 
dhluthaich  duine  riamh  air  son  na  ceud  uaire  ri 
baile  lerusaleim,  duine  d'am  b'  aithne  dad  idir 
m'a  dheighinn,  gun  a  spiorad  a  bhi  air  a  bhros- 
nuchadh  mar  le  seorsa  de  fhiabhrus.  Ged  nach 
biodh  aobhar  eile  dha  sin  ach  gu'n  do  sheas 
lerusalem  o  laithibh  Dhaibhidh  gus  a  nis,  bu 
leoir  e  ;  oir  chaidh  tonnan  eachdraidh  an  t- 
saoghail  thairis  air,  agus  dh'  fhuiling  e  gach 
call,  uamhas,  agus  sgrios,  is  urrainn  tachairt  aig 
lamhaibh  dhaoine.  Cha  mhor  gu  robh  riogh- 
achd  chumhachdach  anns  an  t-seann  t-saoghal 
nach  do  ghabh  gnothuch  i-is,  'g  a  bhagradh  no 
'g  a  leireadh  air  dhoigh  eigin, — Assiria,  Babilon, 
Persia,  an  Eiphit,  a'  Ghreig,  agus  an  Roimh  ; 
agus   'n  an  deidh-san,  Arabia  agus  an  Tuirc. 


Salm.  cxxii. 

Anns  a'  cheud  linn  Chriosduidh  anns  a'  bhlia- 
dhna  70,  mar  a  tha  fhios  aig  na  h-uile,  chuir  na 
Romanaich  'na  sbruileach  buileach  e.  Loisg 
iad  teampuU  maiseach.  Heroid  a  dh'  ionnsuidh 
an  lair  ;  agus  dh'  fhuadaich  iad  na  chaidh  as 
de  'n  t-sluagh  o  ghoi't  is  o'n  chlaidheamh,  gu 
tiribh  cein. 

Am  baile  iir 

Ach  'n  a  dheidh  sin,  c6  a  thoisich  ach  na 
Romanaich  fein  air  baile  ur  a  thogail  air  an 
t-seann  laraich.  Tha  e  soilleir  nach  d'  atharr- 
aich  iad  ann  an  tomhas  mor  suidheachadh  a' 
bhaile,  ged  a  rinn  iad  na  b'  fharsuinge  e,  agus 
ged  a  thainig  iomadh  caochladh  air,  agus  ged 
a  dh'  fhuiling  e  iomadh  teanntachd  is  seis- 
eadh    ann    an    ciirsa    nan    ffinealach,    cha    d' 


8 


lERUSALEM 


fhalamhaicheadh  e  tuilleadh  ;  agus  ged  a 
leaaradh  is  a  thog'adh  na  ballachan  moi'a  a  tha 
ga  chrioslachadh  ioniadh  uair  uaith  sud,  tha  e 
an  diugh  gu  dionach,  daingean,  mar  a  bha  e  o 
chian  ;  agus  tha  barrachd  ludhach  an  comh- 
nuidh  ann  na  tha  de  chinneach  eile,  ged  a  tha 
Ai-abianaich,  Sirianaich,  agus  Turcaich,  gle  lion- 
mhor  ann.  Mar  sin,  tha  lerusalem  'n  a  mhior- 
bhuil  ann  am  freasdal  Dhe,  mar  bhairnich 
ghlais  a'  greumachadh  air  gualann  an  t-sleibhe, 
air  diilain  a  thoirt  do  gach  sruth  is  seideadh  a 
dh'  fhuiling  e  o  latha  Dhaibhidh  gus  an  diugh. 
Ma  dh'  fhaodta  nach  'eil  car  'n  a  eachdraidh  as 
neonaiche  na  gur  ann  aig  Breatunn  a  tha  uach- 
dranachd  na  duthcha  gu  leir  ;  agus  gur  e 
Gaidheal  is  ard-riaghladair  ann  an  lerusalem. 

Feadh  nan  ginealach 

Ach  ma  tha  naidheachd  a'  bhaile  so  iongan- 
tach  is  gluasadach  mar  naidheachd,  tha  aobhar  as 
cudthromaiche  'ga  deananih  soni'uichte  anns  an 
t-saoghal,  'se  sin,  na  tha  ceangailte  ri  lerusalem 
de  dh'  aobhar  Dhe  ann  am  beatha  a'  chinne- 
daonna.  O'n  latha  air  an  do  choisrigeadh 
teampull  Sholaimh  'n  a  mheadhon  gus  a  nis, 
tha  e  a'  seasamh  seach .  uile  bhailtean  an  t- 
saoghail,  air  son  taobh  spioradail  beatha  mhic 
an  duine  ;  air  son  eolais  is  aoraidh  an  aoin  De 
bheo  is  fhior  ;  agUs  air  son  ughdarras  an  Righ 
shiorruidh  thairis  air  na  h-uile.  Fadhon  mu'n 
do  thogadh  teampull  ann,  bha  Melchisedec  'n  a 
righ  ann,  agus  tha  e  soilleir  gu  robh  freumh  na 
diadhachd  'n  a  bheatha  ;  agus  an  diugh,  is  ann 
air  run-diomhair  na  diadhachd  a  dh'  fhoillsich- 
eadh  anns  an  fheoil  a  tha  e  suidhichte  na's 
cinntiche  na  air  a'  chreig  air  am  bheil  a  steidh. 
Feadh  nan  ginealach  fad  na  h-aimsir  mhoir  sin, 
tha  ainm  a'  bhaile  ud  a'  ciir  nan  uile  an  cuimhne 
air  na  nithean  a  bhuineas  do  rioghachd  Dhe, 
d'  an  sith  fein,  is  d'  ana  beatha  shiorruidh.  B'e 
sud  baile  nam  faidhean,  a  thog  fianuis  o  linn  gu 
linn  air  gairm  Dhe  do  dhaoine,  is  air  lagh  na 
fireantachd  ;  far  mar  an  ceudna  an  d'  fhuiling 
iad  tair  is  fuath,  agus  cuid  dhuibh  am  bas,  an- 
son  an  dilseachd  ;  gus  mu  dheireadh  an  do 
sheulaich  neach  a  bu  mhotha  na  iadsan  'f  hianuis 
le  'fhuil  anns  a'  chilis  cheudna.  Is  e  an  cliii  so 
a  bhuineas  do  lerusalem  a  tha  a'  tarruing 
dhaoine  as  gach  cearn  de  'n  t-saoghal  'g  a 
thadhall. 

Cridheachan  cruaidh 

Ma  bha  ni-eigin  dheth  so  uile  a'  gleusadh  mo 
spioraid  air  an  t-slighe,  feumaidh  mi  aideach- 
adh,  ciamar  sam  bith  a  thachair  do  dhaoine 
eile,  gu'n  d'  thainig  atharrachadh  nach  bu 
bheag  air  m'  fhaireachduinnean,  an  uair  a 
chunnaic  mi  gu  h-obann  faobhar  a'  bhalla  ghlais 
anns  an  astar,  agus  mullaich  chruinn  a  chuid 
eaglaisean.     Tha  na  h-uiread  de  thogalaichean 


mora,  tha  eadhon  sraidean,  taobh  a  muigh  an 
t-seann  bhaile  ;  ach  is  ann  air  an  t-seann  bhaile 
a  tha  suil  nan  uile.  Is  e  seorsa  de  fhiamh  is  de 
sgathachd  a  thainig  thairis  orm,  a'  faicinn 
'aghaidh  cho  cruaidh,  teann,  lachdunn,  is  oir  a' 
bhalla  cho  geur  a'  gearradh  na  speur,  air  braighe 
an  t-sleibhe  riiisgte,  riabhaich.  Air  leam  gu'n 
robh  diilain  is  danarrachd,  breine  is  searbhadas 
ann  an  cumadh  is  ann  an  snuadh  odhar  a' 
gharaidh  ud.  Ged  a  chuimhnich  mi  air  laoidh- 
ean  aoibhneach  an  luchd-turuis  a'  direadh  gu 
Sion  a  choimhead  laithean  feill,  cha  togadh  mo 
chridhe  ;  oir  bha  cuimhneachan  eile  a'  stri 
rium,  is  a'  fuarachadh  m'  aignidhean,  eadhon 
searbhadas  a  bhaile  ud  ris  an  t-Slanuighear 
bheannaichte,  agus  an  gniomh  aognuidh  leis  an 
do  bhuin  e  Ris-san  mu  dheireadh.  Ged  a  bha 
guth  a'  cagarsaich  riuin  gu'm  bu  choir  dhomh 
a  bhi  sona,  a'  tighinn  dliith  do  'n  dearbh  aite 
anns  an  d'  fhoillsicheadh  gras  an  Fhir-shaoraidh 
gu  sonruichte,  agus  gradh  Dhe  do  jDheacaich, 
agus  comh-chomunn  an  Spioraid  ann  an  cumh- 
achd  latha  na  Cuingis,  cha  robh  e  'n  am  chomas 
eisdeachd  ris  ;  oir  bha  taobh  eile  na  ciiise  air 
mo  bhualadh, — an  spiorad  eudmhor,  breun, 
naimhdeil  a  choinnich  ri  Criosd  an  sud  ;  uamhas 
agus  cionta  nan  iarrtasan  agus  nam  faireach- 
duinnean  nach  gabhadh  riarachadh  ach  le  pian 
is  peanas  a'  bhais  a  leagadh  air  Mac  grasmhor  . 
Dhe ;  dorchadas  agus  cumhachd  na  h-aingidh-  ' 
eachd  a  bhuineas  dhuinn  uile,  agus  a  lot  an 
Tighearna  gu  bas  :  laigh  so  uile  orm,  agus  : 
thosdaich  e  mo  chomhradh. 

Larach  an  teampuill 

Ach  a  dh'  aindeoin  sin  uile,  thug  e  sasuchadh 
do  iarrtas  a  tha  ann  an  cridhe  gach  Criosduidh 
a  bhi  ag  amharc  air  na  dearbh  aitean  anns  an 
d'imich,  an-  do  theagaisg,  agus  an  d'fhuiHng 
Criosd.  Chaidh  sinn  an  toiseach  a  shealltuinn 
larach  an  Teampuill, — comhnard  farsuing,  lom, 
comhdaichte  le  cabhsair.  Air  aon  taobh  dheth, 
tha  eaglais  mhor,  bhriagha,  Mhahometanach, 
togta  mu'n  chreig  air  an  robh  altair  an  team- 
puill. Chithear  mullach  cruinn  na  h-eaglaise 
so  air  astar  mor  ;  agus  'na  broinn,  tha  maise 
oirre  a  tha  ainmeil  feadh  an  t-saoghail.  An 
deidh  Mhecca,  is  e  so  an  t-ionad  as  naoimhe 
anns  an  t-saoghal  leis  na  Mahometanaich.  Air 
an  taobh  eile,  tha  eaglais  eile  a  bhuineas  dhaibh- 
san  cuideachd.  Tha  an  corr  de  'n  laraich 
falamh,  agus  cho  reidh  ri  bord.  Cha  robh  e 
duilich  do'n  inntinn  dol  air  ais  troimh  na  linn- 
tean,  agus  a  bhi  a'  faicinn  Chi'iosd  maille  r'a 
dheisciobuil  anns  a'  chuirt  ud,  a'  sraidimeachd, 
no  a'  searmonachadh  ri  aghaidh  cruinneachaidh 
moir  sluaigh,  no  a'  sgiiirsadh  roimhe  an  luchd- 
trogain  a  bha  a'  mi-naomhachadh  tigh-aoraidh 
Dhe. 

{Ri  leantulnn) 


Aireamh  i 


939 


A'  Bhliadhna  Ur 

"  Air  a'  cheud  la  de  '«  t-seachdihin. — Mata  xxviii.  1. 


THEAGAMH  gu'm  b'  fhearr  le  cuid  de 
dhaoine  a'  bhliadhn'-ur  a  bhi  tuiteam  air  la 
eile  de  'n  t-seachduin  seach  air  la  an  Tighearna, 
direach  mar  a  bhios  clann  ghorach  'g  an  gearan 
fein  ma's  ann  aig  am  comanachaidh  a  tha  iad 
a'  faotainn  laithean-saora,  no  a  tha  co-ainm  an 
la-breith  a'  tuiteam.  Ach  ciod  an  t-aite  eile 
as  freagarraiche  do  dhaoine  turail  a  bhi  ann  air 
maduinn  na  bliadhn'-iiire  na  ann  an  tigh  an 
Tighearna,  far  an  do  gheall  Dia  coinneachadh 
ri  shluagh.  "  Agus  coinnichidh  mise  thu  an 
sin,  agus  labhraidh  mi  riut  o  uachdar  na  cathair- 
thrbcair."  "  Tha  sibh  uile  'n  'ur  seasamh  an 
diugh  an  lathair  lehobhah  bhur  Dia,  bhur  sean- 
airean,  agus  bhur  luchd-dreuchd,  bhur  clann  agus 
bhur  mnathan." 

An  aite  e  bhi  'na  aobhar-gearain  no  'na 
uallach  tha  e  'n  a  aobhar-taingealaehd  cothrom 
a  bhi  againn  ar  boidean  iocadh  do  Dhia  agus  a 
bheannachd  iarraidh  m'  an  cuir  sinn  ar  lamh 
ann  an  car  a  bhuineas  do'n  t-saoghal  air  a' 
bhliadhna  so.  "  Naomhaichibh  sibh  fein  air 
cheann  an  la  maireach." 

Uair  a  thadhaill  Hoffman,  fear-ealadhain 
ainmeil  as  a'  Ghearmailt,  air  a'  Mhorair  Kelvin, 
fear-ealadhain  cho  ainmeil  ris  fein,  air  maduinn 
na  Sabaid,  an  Glaschu,  thubhairt  an  t-searbh- 
anta  a  dh'  fhosgail  an  dor  us  ris  nach  robh  Kelvin 
aig  an  tigh.  "  An  innis  thu  dhomh,"  ars  esan, 
"  c'  aite  am  faigh  mi  e  ?  "  "  Tha  e,"  ars  ise, 
"  anns  an  eaglais,  far  an  coir  do  dhaoine  a  bhith 
air  la  na  Sabaid."  Bha  an  t-Sabaid  air  a 
coimhead  ann  an  Glaschu  anns  na  laithean  ud. 

Air  cho  bochd  no  cho  fuar  's  'g  am  faod  aoradh 
na  h-eaglais  a  bhith,  is  e  an  eaglais  tigh  an 
Tighearna  far  a  bheil  ainm  an  Tighearna  air 
aideachadh  agus  air  a  bheannachadh,  Fhacal 
air  a  leughadh,  agus  urnuighean  air  an 
tairgsinn  'n  a  lathair.  Tha  gu  leoir  a  dh'  aitean 
eile  ann  far  am  bi  daoine  a'  malairt  comhla,  no 
a'  cluich  comhla,  no  ag  itheadh  agus  ag  ol 
comhla,  no  a'  deanamh  fichead  rud  eile  comhla, 
ach  is  e  an  eaglais  an  aon  aite  anns  am  bi  daoine 
ag  iirnuigh  comhla,  is  tha  e  cho  nadurra  agus 
cho  feumail  do  dhaoine  iirnuigh  a  dheanamh 
comhla  's  a  tha  e  nadurra  agus  feumail  dhaibh 
a  bhi  ag  obair  comhla.  "  A  Thighearna,  is 
ionmhuinn  leam  cbmhnuidh  do  theack-sa,  agus 
ionad  pailliuin  do  ghlbire."  Cha  b'  aithne 
dhomh  duine  diadhaidh  riamh  aig  nach  robh 
gaol  air  tigh  Dhe  agus  air  facal  Dhe. 

Thug  Dia  fhacal  dhuinn  gu  bhi  an  da  chuid 


'n  a  bhiadh  agus  'n  a  shiol-cuir,  agus  mar  sin 
bu  mhaith  leam  air  a'  cheud  la  de'n  bhliadhna 
iiir  so  bascaid  a  chur  air  beulaibh  ar  luchd- 
leughaidh  air  an  duilleig  so,  air  a  lionadh  le 
biadh  blasda  a  facal  an  Tighearna,  biadh  a 
bheathaicheas  an  t-anam. 

Mar  is  sine  tha  mi  a  fas  is  ann  is  cinntiche  mi 
gu  bheil  eifeachd  agus  beatha  agus  cumhachd 
ann  am  facal  an  Tighearna  nach  fhaighear  ann 
an  aite  air  bith  eile,  agus  nach  'eil  doigh  as 
fhearr  air  sinn  fein  uidheamachadh  air  son  obair 
agus  trioblaidean  an  t-saogail  na  facal  Dhe  a 
bhi  air  ar  meomhair  agus  'n  ar  cridhe.  Chan 
urrainn  Dia  labhairt  ruinn  mur  bheil  litir  an 
fhacail  cheana  'n  ar  cridheachan  ;  sin  an  t- 
aobhar  gu  bheil  moran  dhaoine  ann  ris  nach 
'eil  Dia  a'  labhairt  idir.  Chan  'eil  am  facal  'n 
an  inntinnean,  air  chor  agus  nach  urrainn  an 
Spiorad  Naomh  oibreachadh  annta.  Sin  aon 
de  na  peanasan  a  tha  a'  leantuinn  an  dearmaid 
a  tha  daoine  a'  deanamh  air  a'  Bhiobull.  Tha 
gealladh  anns  a'  Bhiobull  air  son  a  h-uile  la  anns 
a'  bhliadhna,  agus  mur  bheil  creidmhich  a' 
tagar  nan  geallaidhean  sin,  tha  iad  a'  leigeil  a 
dholaidh  pairt  phriseil  de'n  oighreachd  a  thug 
Dia  dhaibh  ann  an  Criosd. 

Is  e  an  Dia  bith-bhuan  do  thearmunn,  agus 
fodha  tha  na  gairdeanan  siorruidh. — Deut.  xxxiii. 
27. 

Cha  spion  neach  air  bith  as  mo  laimh  iad. — 
EoiN  X.  28. 

Ma  tha  Dia  leinn  co  dh'  fhaodas  a  bhi  'n  ar 
n-aghaidh. — Roman,  viii.  31. 

Ann  an  se  teannlachdaibh  saoraidh  e  thu,  seadh 
ann  an  seachd,  cha  bhean  olc  dhuit. — Iob  v.  19. 

Nach  'eil  e  a'  faicinn  mo  shlighean,  agus  ag 
aireamh  mo  cheuman  gu  leir. — Iob  xxxi^,  .4<. 

Tha  gairdeachas  an  neamh  air  son  aon  pheacach 
a  ni  aithreachas. — Lucas  xv.  7. 

Tha  mi  a'  dol  a  dh'  ullachadh  aite  dhuibh. — 
EoiN  xiv.  2. 

Chuala  an  Tighearna  guth  mo  chaoidh. — Salm 
vi.  8. 

An  uair  a  thubhairt  mi,  Tha  mo  chas  air  sleamh- 
nachadh  bhuam,  chum  do  thrbcair,  a  Thighearna, 
suas  mi. — Salm  xciv.  18. 

Air  bhur  coimhead  le  cumhachd  Dhe  tre  chreid- 
eamh  chum  slainte. — I  Peadar  i.  5. 

Dhealbh  do  lamhan  mi. — Salm  cxix,  73. 


2 


A'  BHLIADHNA  UR— lERUSALEM 


Dhaihhsan  a  ni  grehn  air  mo  choivih-cheangal 
bkeir  mi  ainm  as  fhearr  na  ainm  mhac  agus  nigh- 
ean,  ainm  siorruidh  bheir  mi  dhaihh  nach  gearrar 
as. — Isaiah  Ivi.  5. 


Tha  Pol  ag  radh  gu  bheil  iomadh  guth  anns 
an  t-saoghal,  agus  nach  'eil  a  h-aon  dhiubh  gun 
bhlagh,  ach  gle  thric  chan  'eil  sinne  a'  tuigsinn 
brigh  nan  guthan  leis  a  bheil  Dia  a'  labhairt 
ruinn.  Tha  e  a'  lathairt  ruinn  le  geallaidhean 
agus  rabhaidhean  Fhacail,  le  urnuighean  nan 


naomh  agus  nan  ainglean,  le  eadar-ghuidhe 
shiorruidh  a  mhic,  agus  leis  an  impidh  a  tha  an 
Spiorad  agus  a'  bhean  nuadh-phosda  a'  cur 
oirnn  gun  sgur,  ag  radh,  "  Thigibh."  Ach  air 
ceud  la  na  bliadhna  tha  Dia  a'  labhairt  ruinn 
eadhon  na's  soluimte  na  air  laithean  eile,  ag 
iarraidh  oirnn  gach  ni  a  tha  'g  ar  cumail  air  ar 
n-ais  Anns  a'bheatha  dhiadhaidh  a  churbhuainn, 
agus  a  radh  le  uile  dhiirachd  ar  cridhe,  "  Air 
mo  shon-sa  agus  air  son  mo  thighe  ni  sinn  seirbhis 
do'n  Tighearna^  Bheireadh  sin  bliadhna  mhaith 
dhuinn  agus  bliadhna  shona. 


lerusalem 


Leis  an  Urramach  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig 

"  Bha  aoibhneas  orm  trath  thubhairt  iad 
Gu  Ugh  Dhe  theid  sinn  suas  ; 
A''  d'  dhorsaihh,  0  lerusalem, 
Ar  cosa  seasaidh  fos." 

Salm.  cxxii. 
{Air  a  leantuinn) 


AN  sin,  chaidh  sinn  a  mach  as  a'  bhaile  a  dh' 
-i^fhaicinn  garaidh  Ghetsemane,  a  tha  dliith 
laimh,  aig  iochdar  sliabh  nan  crann-oladh.  Tha 
an  lios  fo  chiiram  buidheann  de  nahanaich 
Fhrangach,  aig  a  bheil  mar  an  ceudna  eaglais 
'n  a  thaobh,  a  tha  ag  amharc  ro  mhor  air  son 
oisinn  cho  beag.  Tha  seachd  no  ochd  de 
fhior  sheana  chraobhan-oladh  air  feadh  a'  ghar- 
aidh,  a  tha  moran  a'  creidsinn  a  bha  ann  ri 
latha  Chriosd,  cho  maith  ri  preasan  tlachdmhor 
is  leabaidhean  fhliir  air  dheagh  choimhead. 
Thainig  samhchair  eadhon  air  an  fhear-diiil,  air 
dha  ar  treorachadh  a  stigh  do'n  ionad  choisrigte 
ud,  anns  an  d'  eirich  osnaidhean  goirt  o  chridhe 
bruite  Chriosd,  agus  far  mar  an  ceudna  an  do 
bhrath  ludas  E  le  poig  :  aite  boidheach,  fois- 
neach,  diomhair,  ach  a  ruigeas  an  cridhe. 

An  uaigh  naomh 

Air  pilltinn  dhuinn  do'n  bhaile,  chomharr- 
aicheadh  dhuinn  far  an  do  liubhair  Pilat  Criosd 
thairis  gu  bhi  air  a  cheusadh  ;  agus  lean  sinn 
an  t-slighe  chumhann,  bhronach  gus  an  d' 
thainig  sinn  gu  dorus  seann  eaglais  mhoir  ;  oir, 
ma  's  fior  an  radh,  tha  an  eaglais  so  a'  comh- 
dachadh  a'  chnuic  air  an  do  cheusadh  Esan,  cho 
maith  ris  an  uaigh  anns  an  d'  adhlaiceadh  E. 
B'e  an  t-Iompaire  Constantine  a  chuir  air  bonn 
i  anns  a'  cheathramh  Hnn  ;  agus  is  cinnteach 
nach  b'  ann  air  thuaiream  a  shuidhicheadh  i. 
Cha  robh  i  briagha  gu  leoir  leis  na  Crusadaran, 
a  thog  as  iir  i,  agus  a  dh'atharraich  gu  mor  i, 
ochd  ceud  bliadhna  air  ais.  Tha  coir  aig  na 
seann  Eaglaisean  Criosduidh  uile, — Greugaich, 
Romanaich,  Armenianaich,  Sirianaich,  is  Cop- 
taich — air  aoradh  innte.     Tha  caibeil  bheaga 


aca  dhaibh  fein  air  a  feadh.  Cha  bhi  iad  daonn- 
an  a'cordadh  a  thaobh  nan  criochan  ;  ach  is 
ciiis-ionghnaidh  cho  ainneamh  is  a  dh'  eireas 
dragh  eatorra. 

Aite  a'  cheusaidh 

Ma  ta,  is  i  an  eaglais  ud  ceann-uidhe  gach 
Criosduidh  a  thadhaileas  lerusalem.  Air 
dhuinn  dol  a  stigh,  threoraicheadh  sinn  do  'n 
chearn  dhi  a  tha  thairis  air  Calbhari,  gus  an  do 
stad  sinn,  an  deidh  staidhir  ghoirid  a  dhireadh, 
fa  chomhair  altrach  de  mharmor,  le  moran 
choinnlean  an  lasadh  oirre,  a'  comharrachadh 
aite  a'  cheusaidh. 

B'  iad  sud  da-rireadh  na  mionaidean  a  bu 
chudthromaiche  is  a  bu  sholuimte  d'ar  beatha. 
Mar  aon  duine,  thuit  an  comunn  air  an  gliiinean, 
agus  ann  an  trom  shamhchair,  rinn  iad  an 
iirnugh  Ris-san  a  ghiulain  air  an  laraich  ud  am 
peacanna — "  E-fein  'n  a  chorp  fein  air  a 
chrann."  Dhi-chuimhnich  sinn  na  h-Iudhaich 
a  rinn  an  gniomh  searbh  Ris,  a'  tuigsinn  ar 
pairt  fein  'n  an  cionta,  agus  ar  feum  air  maith- 
eanas  Uain  Dhe  a  tha  a'  toirt  air  falbh  peacaidh 
an  t-saoghail. 

Mu  dheireadh  dh'  eirich  sinn,  is  thionndaidh 
sinn  air  falbh  le  cinn  chroma  a'  leantuinn  an 
fhir-iiiil,  a  thug  sinn  do  chearn  eile  de'  n  eaglais, 
far  a  bheil  An  Uaigh  Naomh.  Amhuil  a 
leughar  anns  an  t-Soisgeul,  tha  i  gearrta  as  a' 
chreig  ;  ann  an  iirlar  na  h-eaglaise,  agus  togail 
de  chloich  shnaidhte  os  a  cionn,  le  moran  loch- 
ran  an  cro&iadh  laiste  mu  timchioll,  is  sagair- 
tean  an  comhnuidh  'g  an  cumail  an  ordugh. 
Chan  fhaigh  a  sios  do'n  uaigh  aig  aon  am  ach 
dithis  no  triiiir  ;  oir  chan  'eil  i  ach  se  troighean 
gu  leth  air  fad,  is  se  troighean  air  leud. 


JERUSALEM— BUN  AIT  BHUAN  DHE 


An  uaigh  fhalamh 

Dh'  fhairich  mi  mu  dheireadh  m'  aoibhneas  a' 
tighinn  air  ais  ag  amharc  air  uaigh  an  aigh  ud, 
glan,  geal,  falamh.  Chan  ann  air  bas  ach  air 
beatha  is  buaidh  a  tha  i  a'  togail  fianuis.  An 
deidh  tighinn  a  mach  aisde,  is  gann  a  b'  urrainn 
sinn  tighinn  air  falbh  :  sheas  sinn  a'  geur 
amharc  air  an  aite  a  tha  naomh  is  glormhor  os 
cionn  gach  aite  air  thalamh  ;  as  an  d'  eirich 
Mac  Dh^  ann  an  cumhachd  a  dhiadhachd,  a' 
toirt  beatha  agus  neo-bhasmhorachd  gu  solus. 
Bha  oran  molaidh  a'  seinn  a  rithist  'n  am  chridhe, 
agus  dhi-chuimhnich  mi  am  fiamh  mi-shuaimh- 
neach  a  ghabh  greim  orm  air  dhomh  mo  cheud 
shealladh  fhaotainn  air  Jerusalem. 

Tha  sliabh  nan  crann-oladh  ag  eirigh  gu 
rdidh,  boidheach,  ceart  laimh  ris  a'  bhaile. 
Thogadli  tighean  air  pairt  dheth,  agus  tha  an 
corr  lom  gu  leoir  an  diugh  ;  oir  ghearr  na 
Turcaich  na  craobhan  air  son  connaidh  d'an 
carbadan-slaodaidh  an  am  a'  chogaidh  mhoir. 
Tha  mu  thuaiream  mile  de  astar  gu  faobhar  a' 
mhullaich,  air  a  bheil  togalaichean  mora,  'n  am 
measg  Oil-thigh  ludhach.  Chithear  o'n  mhull- 
ach  a'  mhuir  Mharbh,  deich  mile  fichead  anns 
an  ear-dheas,  agus  beanntan  Mhoaib  air  an 
taobh  thall  dhi. 

Uamhan  dorcha 

Cha  do  shaoil  mi  gu'n  robh  ni  air  f  hagail  ann 
an  Jerusalem,  a  mach  o  larach  a'  bhaile,  aig  a 
bheil  ceangal  ri  km.  Sholaimh  Ach  chan  ann 
mar  sin  a  tha  ;  agus  chaith  sinn  teann  air  uair 
de  thim  air  feadh  thallachan  mora,  dorcha  shios 
fo  'n  ghrunnd,  a  stigh  fo  'n  bhaile.  Rinneadh  na 
h-uamhan  ud  air  tiis  le  gearradairean-chlach 


air  son  an  teampuill  a  thog  Solamh.  Cha 
chualas  buille  iiird  aig  an  togail,  a  chionn  gu'n 
robh  na  clachan  air  an  ullachadh  far  an  d' 
fhuaireadh  iad  fo  'n  talamh.  Tha  e  coltach 
gu  'n  do  leanadh  air  a'  ghearradh-chlach  air  an 
do  thoisich  seirbhisich  Sholaimh  ;  oir  tha  far- 
suingeachd  is  airde  mhor  anns  na  h-uamhan. 
Cha  bhitheadh  dragh  aig  sluagh  Jerusalem  dion 
fhaotainn  an  diugh  o  mhillteirean  an  adhair  : 
tha  seileirean  fo  'n  casan  a  bheir  aoidheachd 
dhoibh,  agus  air  nach  ruig  slige-mortaidh. 

An  eaglais  ur 

Mu  'n  dh'  fhag  mi,  cha  do  rinn  mi  dearmad 
air  dol  a  dh'fhaicinn  na  h-eaglais  againn  fhein, 
— eaglais  an  Naoimh  Aindreas,  agus  an  tigh- 
aoidheachd  a  tha  r  'a  taobh.  Bha  moit  nach 
bu  bheag  orm  ag  amharc  air  an  aitreibh  shim- 
plidh,  thlachdmhor  ud,  a  bhuineas  do  Albainn, 
anns  am  bheil  aoradh  'ga  dheanamh  gach 
S^baid  a  reir  ordugh  Eaglais  na  h-Alba.  Js 
ann  de  chloich  mharmoir  Eilein  J  a  tha  bord  a' 
chomanachaidh  innte,  agus  an  t-iirlar  a  tha 
foidhe.  Am  measg  nan  iomadh  cuimhneachan 
a  tha  innte  air  an  f  huil  Albannaich  a  dhoirteadh 
air  son  saorsa  lerusaleim,  tha  leac  de  umha  air 
a  leagail  anns  an  iirlar  air  sgath  iarrtus  an  righ 
Raibert  Brus  gu  'n  rachadh  a  chridhe  a  thiodh- 
lacadh  ann  an  Jerusalem,  na'  n  gabhadh  sin  a 
dheanamh.  Ged  nach  do  rainig  cridhe  an  righ 
aite-taimh  a  ruin,  nach  miorbhuileach  an  doigh 
anns  a  bheil  a  mhiann  deireannach  cho  maith  is 
air  a  choimhlionadh  an  deidh  choig  ceud 
bliadhna  ? 

Dh'  fhag  mi  Jerusalem  a'  toirt  buidheachais 
gu  'n  do  cheadaicheadh  dhomh  na  laraichean 
naomha  fhaicinn  le  'm  shuilean  fein. 


Bunait  Bhuan  Dhe 

Leis  an  Uhr.  T.  M.  Mac  Calmain,  M.A.,  Ministear  Eaglais  Chaluim-Cille,  an  Govan 

{Searmon  a  bha  air  a  liubhairt  an  Eaglais  na  Exhibition,  an  Glaschu,  air  an  20mh  de'n  Bamhar,  1938.) 

"  Tha  bunait  Dhe  a'  seasamh  daingean."—2  Tim.  ii.  19. 


IS  i  so  an  t-seirbhis  Ghaidhlig  mu  dheireadh 
a  bhitheas  air  a  cumail  anns  an  eaglais  bhig 
Muinn  so.  Ann  am  beagan  laithean  bithidh  an 
eaglais  so,  agus  gach  aitreabh  eile  's  an  Fheill 
Mhoir  so,  diiinte  agus  glaiste,  gun  sluagh  'g  an 
tadhal  na  's  motha.  Agus  am  beagan  mhiosan 
chan  fhagar  clach  air  muin  cloiche  ;  cha  bhi 
maide  ri  maide.  An  iiine  ghearr  cuirear  crioch, 
chan  e  a  mhain  air  na  toglaichean  so,  ach  mar 
an  ceudna  air  gach  gniomhachas  agus  saothair, 
gach  aighear  agus  gach  co-chomunn,  a  bha  an 
so  re  an  t-samhraidh. 

Tha  teagasg  soluimte  anns  a'  chilis  so  do  gach 
neach  a  bheir  fainear.  Tha  an  Fheill  so  'n  a 
foillseachadh  air  gniomhachas  na  h-Jmpireachd 


agus  air  ealantachd  ar  sluaigh,  Ach  tha  an 
Fheill  cuideachd  a'  taisbeanadh  cho  neo-mhair- 
eannach  agus  cho  caochlaideach  agus  a  tha  na 
nithean  sin  uile.  Thaii'is  air  gach  ni  an  so 
chithear  sgaile  na  criche.  Thig  an  latha  gu 
luath  anns  an  abair  luchd-tadhail  na  pairce  so, 
"  B'e  so  an  t-aite  far  an  robh  an  Eaglais  Bhan, 
agus  b'e  so  larach  a'  Chlachain."  Agus  ri  iiine 
cha  bhi  cuimhne  tuilleadh  gu'n  robh  riamh 
eaglais,  no  clachan,  no  eadhon  an  Fheill  so, 
anns  a'  phairce. 

Canain  ar  graidh 

Tha  cothrom  solasach  againn  an  nochd  ann 
a  bhi  a'   cuairteachadh   ar  n-aoraidh  ann   an 


BUNAIT  BHUAN  DHE 


canain  Tir  nam  Beann.  Ach  ged  a  bhitheadh 
creideamh  Abrahaim  againn,  neach  an  aghaidh 
dochais  a  chreid  an  dochas,  tha  e  doirbh  do 
chuid  againn  an  smuain  a  chumail  bhuainn 
gu'n  tig  latha  anns  nach  cluinnear  tuilleadh 
canain  ar  graidh,  agus  anns  nach  seinnear  tuill- 
eadh na  fuinn  cheolmhor  so.  Gu  ma  fada 
bhuainn  an  latha  sin,  ach  thig  e. 

An  uair  a  bheir  sinn  cuairt  air  feadh  na 
Gaidhealtachd  againn  fhein,  chi  sinn  an  sin  na 
fardaichean  'n  am  fasaich  far  an  d'araicheadh 
na  seoid.     Chi  sinn 

,  .  .  na  tobhtaichean  fuar 
Le  buaghallan  's  cuiseag  gu'm  barr, 
'S  an  eanntagach  ruadh 
Fas  suas  's  a'  chagailt  bha  blath. 

Daoine  a  bha  'n  an  latha  treun  agus  deanadach, 
aitean-comhnuidh  anns  an  robh  gradh  agus 
cairdeas,  dh'fhalbh  iad  uile.  Agus  mar  a 
dh'fhalbh  iad  sin,  mar  sin  siubhlaidh  sinn  uile 
an  uair  a  thig  an  t-am  a  chuireadh  romhainn. 
Is  caochlaideach  agus  neo-mhaireannach  an 
duine  air  an  talamh,  agus  is  diombuan  oib- 
richean  a  laimhe,  eadhon  na  h-oibrichean  sin 
a  tha  e  aig  amannaibh  a'  deanamh  'n  an  diathan 
dha  fhein. 

Thig  crioch  air  an  t-saoghal 

Leugh  eachdraidh  a'  chinne-daoine  agus 
cuimhnich  air  laraichean  briste  Ninebheh  agus 
Bhabiloin.  Gloir  na  Greige  agus  ard-cheannas 
na  Roimhe,— chaidh  iad  le  cheile  seaehad. 
Leugh  bardachd  cinnich  sam  bith,  agus  gu 
sonruichte  bardachd  ar  sluaigh  fein,  agus 
gabh  beachd  air  an  tiamhaidheachd  agus  an 
dubhachas  a  tha  air  a  dhiisgadh  le  bhi 
toirt  fainear  neo-mhaireannachd  an  t-saoghail 
agus  giorrad  ar  latha.  Thoir  siiil  mu'n  cuairt 
agus  chi  thu  gur  feur  gach  feoil  's  gur  diomhanas 
gach  ni.  Thoir  lamh  air  an  Sgriobtur  Naomh 
agus  gheibhear  an  sin  an  dearbh  ni.  Tha 
daoine  air  am  fuadach  air  falbh  mar  le  smth. 
Tha  sinn  a'  caitheamh  ar  bliadhnachan  mar 
sgeul  a  dh'innseadh.  Bunaitean  na  talmhainn 
agus  na  neamhan,  ged  is  iad  obair  lamh  an 
Tighearna,  theid  as  dhoibh.  Fasaidh  iad  uile 
scan  mar  eudach  agus  mar  thrusgan  paisgear 
suas  iad.  "  A  shaoghail,  is  diombuan  do 
mhuirn  !  "  Ach  na'm  b'e  so  uile  na  tha  ri 
radh  b'fhearr  fuireach  samhach.  Tha  ni  eile 
ri  radh,  ni  dochasach,  ni  beannaichte,  agus  a 
chionn  's  gu'm  bheil,  faodidh  oran  a  bhi  air  ar 
bilean  eadhon  am  measg  caochlaidhean  agus 
atharraichean  na  beatha. 

Am  baile  a  mhaireas 

Tha  caochlaideachd  agus  neo-mhaireannachd 
co-cheangailte  ris  na  nithean  a  chithear,  ach 
tha  nithean  ann  a  mhaireas,  nithean  nach  gabh 
crathadh  no  atharrachadh,  nithean  a  sheasas 


daingean.  Mur  'eil  againn  an  so  baile  a 
mhaireas,  faodaidh  siiil  a  bhi  againn  ri  baile 
eile,  baile  siorruidh  Dhe  far  am  bheil  aite  air 
ullachadh  dhuinn  uile,  a  bhitheas  gu  brath 
falamh  mur  an  lion  sinne  e.  Tha  e  fior  nach 
'eil  sinn  ach  'n  ar  coigrich  agus  'n  ar  luchd- 
cuairt  air  an  talamh  mar  a  bha  ar  n-athraichean 
romhainn,  a'  gabhail  comhnuidh  ann  am  pall- 
iunnibh  fann  neo-sheasmhach  a  tha  air  an 
luasgadh  le  gaoith  agus  air  am  milleadh  le 
stoirm.  Ach  faodaidh  suil  a  bhi  againn  ri  baile 
aig  am  bheil  bunaitean  air  am  bheil  Dia  'n  a 
fhear-dealbhaidh  agus  'n  a  fhear-togail.  Chan 
'eil  n#  bunaitean  a  leigeas  daoine  ach  mar  a 
tha  bunaitean  agus  ballaichean  na  Feille  so  ; 
an  iiine  ghoirid  tha  iad  'n  am  fardaichean  fuar 
agus  'n  an  laraichean  briste.  Ach  tha  bunait 
Dhe  a'  seasamh  daingean. 

"  Sgaoilear  o  cheile  na  neamhan  mar  dheat- 
aich  agus  fasaidh  an  talamh  scan  mar  thrusgan, 
agus  basaichidh  a  luchd-aiteachaidh  mar  an 
ceudna,  ach  mairidh  mo  shlainte-sa  gu  siorruidh 
agus  cha  teid  m'fhireantachd  air  ciil."  "  Is 
feur  gach  uile  fheoil,  agus  tha  a  h-6irdhearcas 
uile  mar  bhlath  na  machrach.  Tha  am  feur  a' 
seargadh,  am  blath  a'  crionadh,  ach  seasaidh 
facal  ar  De-ne  gu  siorruidh."  "  Theid  neamh 
agus  talamh  seaehad,"  arsa  Criosd,  "  ach  cha 
teid  m'fhacal-sa  seaehad  a  chaoidh."  "  Siiibh- 
laidh  an  saoghal  seaehad  agus  ana-miann,  ach 
an  ti  a  ni  toil  Dhe  mairidh  e  chaoidh." 

Taic  ar  n-anma 

Mar  sin,  air  dhuinn  bhi  toirt  fainear  cho 
diombuan  agus  a  tha  gach  ni  faicsinneach,  agus 
cia  anmhunn  gearr  ar  re,  leigeamaid  taic  ar 
n-anma  air  na  nithean  sin  a  sheasas  daingean, 
na  nithean  a  tha  maireannach  agus  siorruidh, 
eadhon  an  Tighearna  Dia  agus  'fhireantachd, 
'fhirinn  agus  a  thoil,  a  choibhneas  agus  coimh- 
cheangal  a  shith,  agus  an  tiodhlaic  do-labhairt 
a  thug  e  dhuinn,  losa  Criosd,  an  Ti  ceudna  an 
de  agus  an  diugh  agus  gu  siorruidh,  an  Ti  sin 
a  tha  ag  radh  r'a  luchd-leanmhuinn  fhein,  "  Do 
bhrigh  gu'm  bheil  mise  beo,  bithidh  sibh-se  beo 
mar  an  ceudna."  Cha  bhuin  maireannachd  do 
neach  no  do  ni  sam  bith  ach  a  mhain  do'n  neach 
aig  am  bheil  daimh  tre  chreideamh  ris  an  Ti  a 
tha  siorruidh. 

Ach,  anns  a'  cho-dhunadh,  bu  choir  ni  eile  a 
thuigsinn.  Ged  nach'eil  na  nithean  a  chithear 
ach  neo-mhaireannach  agus  gearr-shaoghalach, 
chan  fhaod  sinn  uime  sin  dearmad  a  dheanamh 
orra.  Chan'eil  giorrad  ar  latha  'n  a  lethsgeul 
gu  bhi  pasgadh  ar  lamhan  an  diomhanas  ;  agus 
chan'eil  neo-sheasmhachd  na  chi  sinn  agus  na 
ni  sinn  'n  a  aobhar  gu  bhi  fas  sgith  ann  am 
maith  a  dheanamh.  Is  ann  bu  choir  dhuinn  a 
bhi  air  ar  brosnuchadh  gu  barrachd  dichill,  gu 
bhi  saothrachadh  am  feadh  's  a  tha  an  cothrom 
againn.     Chan'eil  an  dealan-de  ri  mire  ach  fad 


AN  DOIGH  CHEARR  AGUS  AN  DOIGH  CHEART 


aon  latha  goirid  samhraidh,  ach  a  dh'aindeoin 
giorrad  a  bheatha  tha  e  a'  comhlionadh  na 
h-oibre  a  dh'earbadh  ris  anns  a'  chruthachadh 
nadurra.  Is  gearr  beatha  an  t-seangain,  ach 
a  dh'aindeoin  sin  is  gniomhach  agus  dichiollach 
an  creutair  esan.  Tha  am  feur  agus  na  fliir- 
aichean  a  dh'eireas  suas  agus  a  sheargas  as 
cho  luath  a'  deanamh  am  feum  fein  anns  an 
t-saoghal. 

An  toradh  cinnteach 
Ged  nach  do  mhair  an  Fheill  so  ach  iiine 
ghoirid,  choimhlion  i,  tha  sinn  an  dochas,  rim 
na  muinntir  sin  a  chuir  air  adhart  i.  Agus  ged 
a  bhitheas  a'  phairc  so  air  a  fagail  falamh, 
leanaidh  toradh  air  chor-eigin  air  saothair  na 
Feille.  Chan'eil  Impireachd,  no  rioghachd,  no 
sluagh,  a  thog  ceann  an  eachdraidh,  ged  a 
chaidh  iad  as  ri  tide,  nach  do  choimhlion  pairt 
air  chor-eigin  chum  leas  a'  chinne-daoine  agus 
nach  do  lion  an  aite  fein  ann  an  riiintean  an 
De  sin  a  tha  toirt  eadhon  air  fearg  dhaoine  a 
bhi  'g  a  mholadh.  Chan'eil  ni  sam  bith  air  a 
chall  eed  a  theid  e  as  an  t-sealladh,     Gach 


siolan  beag  a  thuiteas  anns  an  talamh,  ged 
bhasaicheas  e,  gidheadh  giulanaidh  e  toradh. 
Gach  ixrnuigh  bhriste,  gach  deur  comh-fhair- 
eachail,  gach  iarrtus  uasal,  gach  diirachd 
chairdeil,  gach  oidhirp  dhichiollach,  gach  facal 
coibhneil,  gach  deagh  rim  a  fhuair  briseadh- 
duil,  agus  gach  saothair  mhath  a  dh'fhailnich, 
agus  gach  beatha  mhaiseach  a  ghearradh  as — 
neo-mhaireannach  's  gu'm  faod  iad  a  bhi,  agus 
a  dh'aindeoin  gach  dearmaid  a  rinneadh  orra, 
cha  bhi  iad  gun  tairbhe  air  a'  cheann  thall. 
"  Bithidh  iad  agam-sa,"  tha  Tighearna  nan 
sluagh  ag  radh,  "  anns  an  latha  sin  anns  an  dean 
mi  suas  mo  sheudan." 

Uime  sin,  air  dhuinn  a  bhi  tuigsinn  nach'eil 
anns  an  t-saoghal  neo-mhaireannach  so  ach 
staran  thar  abhainn  nam  bliadhnaichean  a 
dh'ionnsuidh  baile  siorruidh  Dhe,  tasgamaid 
suas  dhuinn  fein  deagh  bhunait  fa  chomhair  an 
ama  ri  teachd  chum  gu'n  dean  sinn  greim  air  a' 
bheatha  mhaireannaich.  Ma  tha  caochlaideachd 
nan  nithean  a  chithear'a'  teagasg  dhuinn  ar 
laithean  aireamh,  is  ann  a  chum  's  gu'n  socraich 
sinn  ar  cridheachan  air  gliocas. 


An  D6igh  chekrr  agus  an  doigh  cheart 

Le  Latimer  Mac  Aonghuis,  an  Ceann  Loch 


BHA  mi  a'  bruidhinn  an  la  roimhe  ri  mo  char- 
aid  Iain  Mac  Aoidh,  agus  dh'  innis  e  dhomh 
sgeul  bheag.  An  uair  a  bha  e  'na  dhuine  bg 
bha  e  'na  chlachair,  ged  a  tha  e  a  nis  'na 
ghairneilear.  Aig  an  am  sin  bha  an  Eaglais 
Steidhichte  a'  faotainn  orgain,  agus  bha  Iain  a' 
togail  tighe  bhig  aig  cul  na  h-eaglais,  a  dhean- 
amh  aite  far  am  bitheadh  an  t-6rgan  air  a 
chur  a  stigh. 

Di-Sathuirne  bha  an  obair  faisg  air  a  bhi 
criochnaichte,  agus  bha  Iain  a'  dol  a  stad  mar  a 
b'  abhaist,  aig  meadhon-latha.  Bha  suil  aca  ris 
an  organ  leis  a'  bhata-smiiid  Di-luain.  Mu 
dheich  uairean  anns  a'  mhaduinn  chaidh  fear  de 
na  foirfich  suas,  agus  thuirt  e  ri  Iain  :  "  Tha  an 
t-6rgan  a'  tighinn  a  stigh  Di-luain,  agus  feum- 
aidh  thu  leantuinn  air  obair  agus  criochnachadh 
an  nochd." 

"  Cha  chuirinn  de  dhragh  orm  fhein,"  ars' 
Iain.     "  Stadaidh  mi  aig  an  am  abhaisteach." 

Dh'  fhalbh  am  foirfeach  agus  droch  ghreann 
air.  Ann  an  iiine  ghoirid  rainig  fear  eile  e, 
agus  thuirt  e  mar  thuirt  a'  cheud  f  hear. 

"  A  Mhic  Aoidh,  feumaidh  thu  do  ghnothuch 
a  chriochnachadh  an  nochd,  oir  tha  an  t-6rgan 
a'  tighinn  leis  a'  bhata-smiiid  Di-luain." 

"  So  am  fear  nach  criochnaich,"  ars'  Iain. 
"  Theid  an  t-6rd  as  mo  laimh  aig  meadhon-la." 

Dh'  fhalbh  an  dara  foirfeach,  a'  gearan  gu 
goirt.  Mionaid  no  dha  'na  dheidh  sin,  suas 
thainig  Ruairidh  Mor,  foirfeach  eile,  agus 
fearg  air. 


"  De  so  a  tha  mi  a'  cluinntinn,  A  Mhic 
Aoidh  ?  Tha  an  t-6rgan  a'  tighinn  a  stigh 
Di-luain,  agus  feumaidh  thu  an  obair  a  chrioch- 
nachadh an  nochd.  Feumaidh  thu  cumail 
ort." 

Thachair  do  Ruairidh  Mor  direach  mar  a 
thachair  d'  a  chompanaich. 

'S  mise  nach  dean  sin,"  ars'  Iain,  agus  e  na 
bu  rag-mhuinealaiche  na  bha  e  riamh,  "  Stad- 
aidh mi  aig  an  am  abhaisteach." 

Cha  robh  aig  Ruairidh  ach  a  bhi  falbh  mar  a 
thainig  e. 


Mu  leth  uair  an  deidh  so  thainig  am  minis- 
tear,  a'  spaisdearachd  a  nuas.  "  La  math, 
Iain,"  thuirt  e  :  "  Ciamar  a  tha  gnothuichean 
a'  dol  air  aghaidh  ?  " 

"  Chan  'eil  iad  cho  dona,"  ars'  Iain. 

"  Tha  mi  a'  faicinn  sin,"  ars'  am  ministear. 
"  Is  sibhse  a  tha  ag  oibreachadh  gu  math  agus 
a'  deanamh  gnothuich  gasda.  Tha  an  t-6rgan 
a'  tighinn  a  stigh  Di-luain  agus  bhithinn  fada 
'n  'ur  comain  na'm  b'  urrainn  dhuibh  an  obair 
a  chriochnachadh  an  nochd.  An  dean  sibh  sin 
mar  fhabhar  ?  " 

"  Is  mise  a  ni  sin  gu  toileach,"  ars'  Iain  : 
"  Ach  ma  tha  mi  ri  chriochnachadh  an  nochd 
tha  dhith  orm  Lachie  Mac  Phater  is  da  oibriche 
eile  'g  am  chuideachadh.  Theid  mi  sios  do  'n 
t-sraid  mhoir  far  am  bheil  iad  ag  oibreachadh." 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR 


"  Fanaibh  far  a  bheil  sibh,"  ars'  am  minis-- 
tear  :    "  theid  mise  mi-fhein  sios,  agus  cuiridh 
mi  nuas  Lachie  agus  an  da  oibriche." 

Mionaid  no  dha  'na  dheidh  sin  chaidh  Lachie 
suas  le  dithis  luchd-obrach,  agus  chaidh  na 
ceithir  daoine  ris  an  obair  mar  laoich.  Mu 
choig  uairean  's  an  fheasgar  thainig  am  minis- 
tear  a  nuas  a  rithis,  agus  chuir  e  deich  tasdain 
ann  an  laimh  Iain  gun  fhios  do  chach,  a'  cagar 
'na  chluais  :  "So  dhuibh ;  fliuchidh  so  bhur 
feadag." 

Thug  Iain  leth-chrun  do  Lachie,  ach  leis  gu'n 
robh  an  dithis  oibriche  'n  am  poitearan,  agus 
fios  aig  Iain  na  'n  tugadh  e  leth-chrim  dhaibh 
nach  fhaiceadh  e  iad  a  rithis  an  oidhche  sin, 
nuair  a  thainig  an  trath-fheasgair,  chaidh  e 
maille  riu  a  sios  do'  n  bhaile,  agus  an  uair  a 
bha  iad  a'  dol  seachad  air  biith  Mhaighstir 
Mhic  Conneill,  am  feoladair,  chuir  Iain  leth- 
chrun  ann  an  laimh  gach  fir  dhiubh,  ag  radh  : 
"  So  dhuibh  leth-chrim  bho  'n  mhinisteir,  agus 
theid  sibh  a  steach  do  'n  bhiith  aig  Maighstir 
Mac  Conneill,  agus  ceannaichidh  sibh  feoil  air 
son  'ur  dinneir  am  maireach." 

Air   dhaibh   sin  a  chluintinn  chaidh  an  da 


phoiteir  a  steach  do  'n  bhiith,  agus  cheannaich 
iad  an  dinneir  gun  ghuth  mor,  gun  droch  f hacal. 

An  deidh  an  tea  a  ghabhail  thainig  iad  air  an 
ais  agus  dh'  oibrich  a  cheithir  gus  an  robh  an 
gnothuch  air  a  chriochnachadh,  direach  mar  a 
bha  clos:  mor  a  bhaile  a'  bualadh  meadhon- 
oidhche. 

Thachair  Ruairidh  Mor  Di-luain  air  Iain,  agus 
thuirt  e  ris,  "  Nach  sibhse  an  duine  gasda  ! 
Dh'  oibrich  sibh  Di-Sathuirne  air  son  a'  Mhinis- 
teir, ach  chan  oibricheadh  sibh  air  mo  shon-sa 
no  air  son  an  c6i*r  de  na  foirfich.  Car  son  ; 
sin  ?  " 

"  Ma  ta,"  ars'  Iain,  "  innsidh  mi  sin  dhuibh 
ann  an  aon  fhacal ;  b'e  duine-uasal  a  bha 
anns  a'  mhinistear,  ach  cha  robh  thusa  agus  na 
foirfich  eile  'n  'ur  daoin-uaisle  idir.  Thuirt  sibh 
uile  '  Feumaidh  tu,  feumaidh  tu  cumail  ort '  ; 
ach  is  e,  '  Bhithinn  fada  'n  'ur  comain,'  a  thuirt 
an  duine-uasal  sin,  am  ministear.  Cuir  sin  'n 
ad  phiob  agus  smog  e." 

{Chan  abair  mise  nach  bu  duin-uasal  am  ministear^ 
ach  chan  abrainn  gur  rud  glic  e  deich  tasdain  a 
thoirt  do  cheathrar  dhaoine  d  Ceann-Loch,  a 
fhliuchadh  amfeadaig. — Am  Fear-deasachaidh.) 


Anns  a'  Chathair 


ElLEAN    GUN    AINM, 

20mh  la  de  November,  1938. 
"  "DHITHINN  fada  'n  'ur  comain  na'n 
X)  tugadh  sibh  dhomh  freagairt  do  cheist  a 
tha  gu  trie  'n  am  inntinn  o  chionn  bhliadh- 
nachan.  Ged  nach  'eil  mi  'n  am  f  hear-aideach- 
aidh  tha  mi  a'  dol  do'n  eaglais  a  h-uile  Sabaid  ; 
air  uairean  air  da  cheann  an  la.  Ach  ged  tha 
mi  a'  dol  do'n  eaglais  o  bha  mi  'n  am  bhalach 
6g  dh'  fhairtlich  e  orm  a  thuigsinn  fhathast 
ciod  a  tha  an  eaglais  a'  ciallachadh  leis  an 
t-soisgeul.  Bithidh  mi  a'  cluinntinn  mhinis- 
tearan  agus  cheistearan  a'  bruidhinn  mu  dheagh 
sgeul  an  t-soisgeil,  agus  ag  iarraidh  oirnn  an 
deagh  sgeul  sin  a  chreidsinn,  chum  's  gu'm  bi 
sinn  air  ar  tearnadh,  ach  chan  'eil  gin  aca  a' 
feuchainn  ri  dheanamh  soilleir  dhuinn  ciod  a 
tha  iad  a'  ciallachadh  le  deagh  sgeul  an  t- 
soisgeil.  A  thuilleadh  air  sin  cha  bhi  iad  a' 
cleachdadh  an  fhacail  soisgeul  anns  an  aon 
seagh  daonnan,  air  chor  agus  gu  bheil  mise, 
agus  theagamh  daoii:ie  eile  cuideachd,  mar 
dhaoine  ann  an  ceo. 

"  Air  uairean  saoilidh  mi  gur  e  teagasg  Chriosd 
mu  Dhia  agus  mu'n  hheatha  shona  agus  dhiadhaidh 
a  tha  iad  a'  ciallachadh  le  deagh  sgeul  an 
t-soisgeil ;  air  uairean  eile  saoilidh  mi  gur  e 
teagasg  nan  ahstol  mu  Chriosd,  agus  gu  son- 
raichte  m'a  bhas  air  Calbhari,  a  tha  iad  a' 
ciallachadh  ;  ach  a  ris  saoilidh  mi  gur  e  am 
foillseachadh  agus  an  dearbhachd  a  tha  aig 
creidmhich  'n  an  cridheachan  fein  o'n  Spiorad 


Naomh  a  tha  iad  a'  ciallachadh.  Mar  sin  tha 
mi  air  m'  f hagail  gun  fhios  agam  co  ris  a  sheallas 
mi.  An  ann  ri  losa,  am  fear-teagaisg,  no  an 
ann  ri  Criosd  air  a  cheusadh,  no  an  ann  ris  a' 
Chriosd  a  bhios  beo  gu  siorruidh  tre  oibreachadh 
a  spioraid  ? 

"  An  tiis  mo  bheatha  bhithinn  a'  cluinntinn 
mhinistearan  a'  searmonachadh  a  h-uile  Sabaid 
mu  innleachd  na  slainte,  a  bha  a  reir  choslais  cho 
soilleir  dhaibh  fein  ris  na  deich  aithntean  ; 
thoisicheadh  iad  aig  peacadh  Adhaimh  is 
tuiteam  an  duine  ;  an  riarachadh  a  dh'  fheum- 
adh  a  bhi  air  a  thoirt  do  cheartas  agus  do  lagh 
an  Tighearna  ;  tiodhlac  an  Athar  'n  a  mhac  a 
thainig  o  neamh  a  shaoradh  a'  chinne-daonna 
o'n  bhas  agus  o'n  bhinn  a  thug  Ceartas  a  mach 
'n  an  aghaidh  ;  cosnadh  na  reite  air  a'  chrann- 
cheusaidh,  agus  a  shluagh  taghta  air  am  fire- 
anachadh  agus  air  an  gabhail  a  steach  do 
theaghlach  Dhe  tre  chreideamh  ann  an  eifeachd 
na  h-iobairt  a  thairg  Criosd  air  a'  chrann- 
cheusaidh.  Ach  ged  a  bhithinn  a'  cluinntinn  sin 
anns  na  seann  laithean,  is  ann  uair  annamh  a 
chluinnear  an  diugh  e  ;  Sabaid  as  deidh  Sabaid 
gheibh  sinn  comhairlean  glic  mu'n  bheatha 
dhiadhaidh,  agus  seoladh  innte  air  a  tharruing 
o  theagasg  Chriosd,  mar  gu'm  b'  aithne  dhuinn 
uile  an  deagh  sgeul  cheana,  agus  mar  gu  robh 
sinn  uile  a'  creidsinn. 

"  Tha  fhios  agam  gu  bheil  eolas  a'  fas,  agus 
inntinnean  dhaoine  a'  fosgladh  agus  ag  ath- 
arrachadh  ach. tha  m'  inntinn-sa  co  dhiu  ann 


ANNS  A'  CHATHAIR 


an  ceo,  agus  bhithinn  'n  'ur  comain  na'm 
freagradh  sibh  ann  an  Leabhar  Gorm  na  h- 
eaglais  a'  cheist  so  a  tha  cur  dragha  orm,  co 
dhiubh  is  e  umhlachd  do  theagasg  Chriosd  a 
shaoras  mi,  no  earbsa  anns  an  iobairt-reite  a 
thairg  e  do  Dhia  'n  am  aite  air  Calbhari." 

' '  Duine  gun  ainm . ' ' 

*  *  *  *  * 

B'  fhearr  leam  duine-eigin  eile  a  fhreagairt 
na  ceiste  so  na  mi  fhein,  oir  tha  gu  leoir  de 
mhinistearan  oga  anns  a'  Ghaidhealtachd  aig  an 
rachadh  air  a'  cheist  so  fhosgladh  agus  a 
dhimadh  ann  an  doigh  a  bhiodh  buannachdail  do 
luchd-leughaidh  nan  duilleagan  so.  Tha  mi  a' 
toirt  cuiridh  dhaibh,  ma  ta,  freagairt  a  thoirt 
dhi  a  dh'  fhaodas  mi  a  thoirt  am  follais  anns  an 
ath  aireamh.  Ma  ghabhas  dha  no  tri  an  obair 
so  as  laimh,  bithidh  sin  na's  fhearr  air  fad  ; 
gheibh  iad  uile  am  beachd  a  hubhairt  air  na 
duilleagan  so.  Ach  mur  dean  duine  eile  e,  ni 
mi  fhein  e. 

*  *  *  *  * 

Ach  ciod  air  bith  ris  an  abrar  an  soisgeul 
feumaidh  teachdaireachd  a  bhi  aig  an  t-sear- 
monaiche,  air  neo  cha  searmonaiche  e  idir. 
Cionnus  a  ni  iad  searmon  mur  cuirear  iad,  mar 
tha  e  sgrlobhta,  Cia  sgiamhach  casan  na  muinn- 
tir  sin  a  tha  a'  searmonachadh  soisgeul  na  sithe, 
a  tha  a'  toirt  sgeoil  aoibhnich  air  nithibh  maithe ! 

Is  e  an  da  ni  as  sine  anns  an  eaglais,  an 
searmon  agus  Sacramaid  na  Suipearach.  Thois- 
ich  an  eaglais  le  searmonachadh  ;  gun  searmon 
agus  sacramaid  cha  bhiodh  an  eaglais  ann,  agus 
cha  mho  a  mhaireadh  i. 

Soisgeul  cumhachdach 

Ged  a  bhios  sinne  a'  faicinn  nan  abstol,  le 

,    mac-meanmain  ar  n-inntinn,  mar  dhaoine  a  bha 

I    cearcall  oir  mu'n  cuairt  an  cinn,  cha  robh  anns 

i    na  h-abstoil  gu  nadurra  ach  daoine  a  bha  gle 

J    choltach  ruinn  fein.     Cha  robh  ach  fear  no  dha 

1    dhiubh  coltach  ri  Pol,  a  bha  seasamh  a  mach  os 

i    cionn  chaich.     Ach  ged  nach  robh  iad  'n  an 

1    daoine  mor  mor  gu  nadurra,  bha  teachdair- 

I    eachd  mhor  agus  iongantach  aca,  agus  is  e  an 

I   teachdaireachd  sin  a  rinn  iad  f  h^in  mor.  Labhair 

j    iad  air  nithean  as  doimhne  na  gheibhear  ann  an 

f    sgriobhaidhean    Phlato  ;     gidheadh    cha    b'e 

i    iadsan  a  labhair  ach  spiorad  Dhe  a  bha  annta. 

Feumaidh,  ma  ta,  gu  robh  aig  searmonaichean 

I     anns  an  t-seann  t-saoghal  ud  soisgeul  air  chor- 

i    eigin  (ciod  air  bith  a  bha  iad  a'  teagasg  a  thuill- 

]    eadh  air  gu'n  d'  eirich  Criosd)  anns  an  robh 

cumhachd  Dhe,  oir  tha  fhios  againn  gu'n  do 

chuir  iad  an  saoghal  bun  os  cionn  leis.     Agus 

chan  e  mhain  gu'n  do  chuir  iad  an  saoghal  bun 

OS  cionn  'n  an  \h.  fein,  ach  tha  na  nithean  a 

labhair  iad,  eadhon  anns  an  litir  fhuar  anns  an 

robh  iad  air  an  cur  sios  ann  an  leabhar  leis  an 

fheadhainn  a  bha  ag  eisdeachd  riu,  a'  cur  an 

t-saoghail  bun  os  cionn  fhathast,  agus  a'  deal- 


achadh  a  mhic  o'n  athair  agus  na  nighinn  o'n 
mhathair. 

Lan  no  falamh 

Ach  ged  bha  meas  air  searmonachadh  anns 
na  seann  laithean  tha  e  air  a  radh  nach  'eil 
meas  air  an  diugh.  A  bheil  sin  fior  ?  Chan 
'eil  teagamh  nach  'eil  iomadh  eaglais  an  Dun-- 
eideann  gu  maith  falamh,  ach  tha  aon  eaglais 
an  Dim-eideann  a  tha  cho  lan  aig  an  t-seirbhis- 
fheasgair,  ged  a  thiochdas  corr  agus  mile  innte, 
's  nach  'eil  riim  innte  do  na  bhios  ag  iarraidh  a 
steach,  is  b'  fheudar  dhaibh  dol  do  Thalia  Mor 
a'  bhaile,  a  chionn  gu  robh  am  pobull  a' 
dliith-theannadh  air  an  t-searmonaiche,  a  dh' 
eisdeachd  facal  Dhe.  Ma  tha  e  'n  a  abbhar- 
smuain  gu  bheil  eaglaisean  falamh  ann  an 
Albainn,  tha  e  'n  a  aobhar-smuain  cuideachd  gu 
bheil  eaglaisean  lan  ann  ;  aon  air  a  ghabhail 
agus  an  t-aon  eile  air  fhagail.  Car  son  a  tha 
aon  searmonaiche  air  an  dara  taobh  de'n  t-sraid 
a'  searmonachadh  do  fhichead  duine,  agus 
searmonaiche  air  an  taobh  eile  a'  searmon- 
achadh do  choig  ceud  ? 

Searmonachadh  sgitheil 
Cha  toigh  le  daoine  an  diugh  searmoin  f  hada  ; 
fuilingidh  iad  coig  mionaidean  fichead,  ach  b' 
fhearr  leo  coig  deug  ;  agus  na'm  faigheadh  iad 
deich,  b'  e  sin  a  b'  fhearr  air  fad.  Their  iad  gu 
bheil  searmon  a  tha  a'  mairsinn  os  cionn  ceath- 
ramh  na  h-uarach  sgitheil.  Bu  ghasda  leam  a 
bhi 's  an  eisdeachd  na'n  abradh  duine-eigin  sin 
ris  an  Ollamh  Tormod  Mac  Leoid,  nach  mair- 
eann,  a  bha  an  Inbhir-nis,  Chuala  mi  e  ag  radh 
uair-eigin,  "  Na  daoine  a  bhios  a'  gearan  air 
faidead  shearmon,  agus  ag  iarraidh  oirnn  an 
giorrachadh,  is  daoine  iad  am  bitheantas  anns 
nach  'eil  diadhaidheachd  no  eanchainn."  Chan 
abrainn  gu  bheil  sin  cothromach,  ach  aig  a' 
cheart  am  their  mi  o  m'  fhiosrachadh  fhein  gur 
e  na  searmoin  a  b'  fhearr  a  chuala  mi  riamh 
searmoin  a  bha  os  cionn  leth-uair,  agus  na 
searmoin  a  bu  sgitheile  a  chuala  mi  riamh 
searmoin  nach  robh  na  b'  fhaide  na  deich 
mionaidean.  Th6id  aig  cuid  de  dhaoine  air  do 
sgitheachadh  agus  air  do  ghraineachadh  ann 
an  coig  mionaidean  le  deas-chainnt  gun  bhlagh 
na's  motha  na  sgithicheadh  daoine  eile  thu  ged 
a  leanadh  iad  air  bruidhinn  uair  an  uaireadair. 
Is  e  an  fhirinn  nach  e  faidead  no  giorrad  an 
t-searmoin  a  sgithicheas  an  luchd-eisdeachd 
idir,  ach  a  bhi  cluinntinn  cnag,  cnag,  cnag,  aig 
briathran  anns  nach  'eil  biadh  no  salami,  agus 
aig  nach  'eil  buintealas  air  bith  ri  saoghal 
nam  beo. 

Ceathramh  na  h-uarach 

Bho  thoisich  mi  air  so  a'  sgriobhadh  thug  mi 

an  aire  gu'n  do  thog  an  t-Ollamh  I.  T.  Cox, 

Cleireach  an  Ard-Sheanaidh,  a'  cheist  so  ann 

an  cruinneachadh  air  chor-eigin  an  la  roimh, 


8 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


agus  gu'n  dubhairt  e  gu'm  bu  choir  do  mhinis- 
tearan  feuchainn  ris  an  t-searmon  a  chumail  aig 
ceathramh  na  h-uarach.  Ach  cha  ruigeadh  e  a 
leas  a'  chomhairle  so  a  thoirt  oirnn,  oir  tha  a' 
chuid  as  miosa  againn  air  searmonachadh  'g  a 
dheanamh  cheana,  agus  an  fheadhainn  as  f hearr 
againn  cha  ghabh  iad  i.  Leigidh  lad  sin  le 
comhairle  an  cridhe  fein  seasamh,  agus  roinnidh 
iad  Facal  na  firinn  gun  chabhaig. 

Uair  a  bha  an  duine  maith  agus  an  duine 
diadhaidh,  an  t-Urramach  D.  T.  Mac  Aoidh 
nach  maireann,  air  cheann  coinnimh-iirnuigh 
ann  a  Hianais,  an  eilean  Thiriodh,  dh'  iarr  e  air 
seann  duine  a  bha  anns  a'  choinneamh  eirigh 
agus  tirnuigh  a  dheanamh.  Cha  robh  moran 
furais  no  faidhidinn  anns  a'  mhinistear  Mac 
Aoidh  CO  dhiu ;  bhiodh  e  daonnan  'na  f  hallus,  c6 
dhiubh  a  bha  e  a'  coiseachd  no  a'  labhairt,  agus 
is  e  a  thubhairt  e  ris  an  fhear  eile,  "  Deanaibk 
iirnuigh,"  a  Chaluim,  "  agus  bithibh  sgiobalta." 
"  Ni  mi  iirnuigh,"  arsa  Calum,  "  ach  gabhaidh  mi 
m'  iiine,  a  reir  mar  bheir  an  Spiorad  comas-labhairt 
dhomh." 

*  *  *  *  * 

An  uair  a  theid  mi  do  thigh  ann  am  choimh- 
thional    fein,    agus    a    their    fear-an-tighe    no 


bean-an-tighe  rium,  m'am  bi  mi  ach  air  suidhe, 
"  Sinne  a  fhuair  an  searmon  breagha  air  an 
Radio  air  feasgar  na  Sabaid,"  tha  fhios  agam 
nach  ann  a'  moladh  an  t-searmonaiche  a  tha  iad 
an  da-rireadh,  ach  a'  gabhail  an  lethsgeil  nach 
robh  iad  anns  an  eaglais.  Tha  eaglais  an  Radio 
a'  toirt  air  falbh  a'  choimhthionail-fheasgair  o 
na  h-eaglaisean  eile  na's  mo  agus  na's  mo  a 
h-uile  bliadhna.  Agus  tha  seirbhisean  eaglais 
an  Radio  cho  goirid  agus  cho  ordail  's  gu  bheil 
iad  a'  deanamh  an  t-sluaigh  mi-fhaidhidinn- 
each  ri  ministearan  a  bhios  ag  iirnuigh  no  a' 
searmonachadh  ro  f  hada  anns  an  eaglais.  Chan 
'eil  mi  a'  faotainn  coire  do'n  Radio  air  a  shon 
so  ;  chan  'eil  mi  ach  ag  innseadh  gur  e  giorrad 
agus  sgiobaltachd  an  Radio  fhein  aon  de  na 
h-aobhair  (theagamh  an  t-aobhar  as  motha)  gu 
bheil  an  sluagh  a  nis  ag  iarraidh  air  ministearan 
an  searmoin  a  ghiorrachadh.  Ach  ged  nach 
toigh  leamsa  a  bhi  a'  tomhas  shearmon  leis  an 
t-slait-thomhais  no  leis  an  uaireadair,  feumaidh  I 
mi  a  radh  nach  cuala  mi  riamh  searmon  air  an 
Radio  gun  e  a  thighinn  'n  am  inntinn  gu'm  b' 
fheairrd  m'  fheadhainn  fhein  an  giorrachadh. 
Ach  an  car  a  tha  anns  an  t-sean  mhaide  is  duilich 
a  thoirt  as. 


( 


Aig  an  Uinneig 


Na  paipearan-naidheachd 

THA  OS  cionn  mile  gu  leth  paipear-naidheachd 
ann  am  Breatunn  a  mhain,  is  tha  ochd  deug 
dhiubh  sin  a'  tighinn  a  mach  air  la  na  Sabaid. 
Tha  mu  naoi  muilleanan  deug  de  phaipearan  air 
an  reic  a  h-uile  la  anns  an  diithaich  so,  no  suas 
tri  ri  fichead  muillean  's  an  t-seachduin. 

Na'n  robh  uile  "  oibrichean  "  na  rioghachd  air 
an  cur  'n  an  sreath,  a  thaobh  aireamh  nan  daoine 
d'a  bheil  iad  a'  toirt  cosnaidh,  agus  an  airgid 
a  tha  air  a  dheanamh  asda,  tha  mi  an  diiil  gur 
e  obair  a'  ghuail  a  bhiodh  air  thoiseach ;  bhiodh 
obair  an  fhearainn  'na  dheidh  sin,  agus  obair 
an  iaruinn  agus  togail  bhataichean  gu  maith 
dliith  dhaibh,  ach  bhiodh  an  deicheamh  ^ite  anns 
an  t-sreath  aig  obair  nam  paipearan-naidheachd. 

Mar  sin,  cha  ruig  thu  a  leas  a  bhi  an  diiil  gur  e 
a'  chrioch  araidh  a  tha  's  an  t-sealladh  aig  na 
daoine  a  tha  'g  an  cur  a  mach  an  fhirinn  agus 
gun  dad  ach  an  fhirinn  a  thoirt  dhuitse  no 
dhomhsa  ;  chan  e  idir,  ach  uiread  airgid  's  is 
urrainn  dhaibh  a  dheanamh  asda.  Sin  an  aon 
rud  a  tha  fodhpa,  agus  air  ghaol  na  paipearan  a 
reic,  cuiridh  iad  annta  rud  air  bith,  co  dhiu  a 
tha  e  uasal  no  nach  'eil. 

Tha  gaol  nam  paipearan-naidheachd  air  air- 
giod,  agus  air  daoine  a  thoileachadh,  air  tighinn 
gu  leithid  a  dh'  airde  anns  a  h-uile  diithaich  an 
diugh  's  gu  bheil  iad  'n  an  cunnart  do  shith  an 
t-saoghail.     A    h-uile    maduinn    tha    iad    ag 


innseadh  do  Bhreatunn  ciod  a  thuirt  droch 
Ghearmailtich  umainn  an  de,  agus  ag  innseadh 
do'n  Ghearmailt  ciod  a  thuirt  droch  Bhreatunn- 
aich  umpa-san ;  am  maireach  leanaidh  iad  air 
a'  cheart  chanran,  a'  fudarachadh  inntinnean 
dhaoine  a  tha  gu  nadurra  'n  an  daoine  rianail 
gus  mu  dheireadh  am  bi  iad  an  rim  na  biodaig 
d'a  cheile.  Theagamh  nach  'eil  na  paipearan- 
naidheachd  a'  feuchainn,  le  comhairle  shuidh- 
ichte,  ri  rioghachdan  a  stuigeadh  'n  a  cheile, 
ach  tha  iad  'g  a  dheanamh  le  cion  a'  ghliocais  a 
tha  o  shuas,  agus  a  chionn  nach  urrainn  dhaibh 
srian  a  chur  air  an  teangaidh,  no  nithean  a 
cheiltinn  nach  fhiach  an  toirt  am  follais. 

Anns  gach  rioghachd  air  thalamh  tha  seorsa 
dhaoine  a  tha  cho  teth  ri  piopar  agus  car  aotrum 
anns  a'  cheann  ;  daoine  eile  a  tha  amharusach 
agus  farmadach,  agus  deas  gu  oilbheum  no 
fearg  a  ghabhail.  Sin  na  daoine  air  a  bheil  na 
paipearan-naidheachd  a'  cluich  mar  gu'm  b'  ann 
air  fidhill,  'g  an  cur  a  dhannsadh  no  air  mhire- 
chath  mar  a  thoilicheas  iad. 

Na'n  robh  muinntir  nam  paipearan-naidh- 
eachd na  bu  ghlice  agus  na  bu  chiallaiche 
na  tha  iad  bhiodh  barrachd  sith  anns  na 
rioghachdan.  Co  dhiubh  is  ann  air  duine 
no  air  paipear-naidheachd  a  tha  "  beul  gun 
fhaitheam,"  ni  am  beul  sin  aimhreit  am  measg 
dhaoine.  Cha  deanar,  agus  cha  chumar  sith, 
gun  ghliocas,  no  gun  cheartas. 


Aireamh  2 


939 


Anns  an  dorchadas 

"  Agus  a  nis,  feuch,  tha  mi  a'  dol  gu  lerusalem  ceangailte  's  an  Spiorad,  gun  fhios  agam  ciod  na  nithean 
a  tharlas  dhomh  an  sin  ;  ach  a  mhain  gu  bheil  an  Spiorad  naomh  a'  deanamh  fianuis  anns  gach  baile, 
ag  radh,  gu  bheil  geimhlichean  agus  trioblaidean  a'  feitheamh  orm.'^ — Gniomhahan  xx.  22-23. 

(Anns  a'  cheartachadh  mu  dheireadh  a  rinneadh  air  a'  Bhiobull  Ghaidhlig  tha  ceangailte  ann  am  Spiorad 
air  a  chur  an  aite  ceangailte  's  an  Spiorad  ;  ciod  a  thachaireas  dhomh  air  a  chur  an  aite  ciod  a  tharlas 
dhomh  ;  a'  toirt  fianuis  dhomh  air  a  chur  an  aite  a'  deanamh  fianuis  ;  geimhlean  agus  amhgharan  air  a 
chur  an  aite  geimhlichean  agus  trioblaidean.) 


THA  fhios  againne  air  na  nithean  a  thachair 
do  Phol  an  uair  a  chaidh  e  gu  lerusalem, 
agus  a  lerusalem  do'n  Roimh,  agus  a  chionn  gu 
bheil,  tha  sinn  cinnteach  gu'm  bu  mhaith  do 
Phol  fhein  nach  robh  fhios  aige  ciod  a  bha 
roimhe.  Is  ann  'n  a  choibhneas  a  dh'  fholuich 
Dia  air  na  trioblaidean  a  bha  a'  feitheamh  air. 

Cha  mhor  dhaoine  riamh  aig  an  robh  cridhe 
cho  gaisgeil  's  a  bha  aig  Pol,  ach  dh'  fhaodadh 
eadhon  duine  gaisgeil  tiomachadh  na'n  robh 
roimh-shealladh  aige  air  an  stri  agus  air  an 
amhghar  a  dh'  f hulling  Pol  anns  na  bliadh- 
nachan  mu  dheireadh  d'a  bheatha. 

An  uair  a  labhair  e  na  briathran  so  bha  e  aig 
airde  a  neirt,  a  thaobh  a  sheirbhis  ann  an 
eaglals  Chriosd  ;  bha  dorsan  a'  fosgladh  roimhe 
anns  gach  cearn  's  an  rachadh  e,  is  bha  e  air  a 
cheadachadh  dha  dol  do  bhailtean  fad  as,  a 
dhaingneachadh  nan  eaglaisean  beaga  a  chuir 
e  air  chois  annta,  agus  a  chur  failte  air  cuid  de 
na  seanairean  a  chuir  e  os  an  cionn. 

Ach  ged  bu  chaomh  leis  fuireach  na  b'  fhaide 
am  measg  nam  braithrean  sin,  bha  e  a'  cluinn- 
tinn  'n  a  chridhe  agus  'n  a  choguis  fein  Gutk,  a 
bha  ag  iarraidh  air  dol  suas  gu  lerusalem, 
a  chumail  Feill  na  Caingis  ;  Guth  nach  b' 
urrainn  dha  a  mhiichadh  no  a  chasg. 

Sin  a  tha  air  a  chiallachadh  leis  an  fhacal, 
ceangailte  ann  am  spiorad  ;  chan  e  an  Spiorad 
Naomh,  ach  spiorad  Phoil  fhein,  agus  a  thoil. 
Bha  ni-eigin  'n  a  chridhe  fein  'ga  tharruing  gu 
lerusalem,  air  chor  agus  nach  b'  urrainn  dha 
gun  dol  ann,  eadhon  ged  nach  robh  fhios  aige 
ciod  a  bu  chrioch  d'a  thurus. 

Bha  a'  chuid  mhor  d'a  chairdean  duilich  gu'n 
do  chuir  e  roimhe  dol  gu  lerusalem,  oir  bha 
eagal  orra  gu'm  faodadh  na  h-Iudhaich  lamh 
a  chur  'n  a  bheatha.  Bhiodh  am  baile  Ian  de 
choigrich  eudmhor  aig  Feill  na  Caingis  ;  daoine 
aig  an  robh  fuath  eagallach  do  Phol  a  chionn 
gu'n  do  threig  e  an  eaglais  ludhach  agus  creid- 
eamh  aithrichean,  agus  mar  sin  bhiodh  e  cunn- 
artach  dha  e  fein  a  nochdadh  'n  am  measg. 
Thuirt  a  chairdean  ris  gu'n  tachradh  dha  mar 
thachair  do  na  faidhean  eile  a  bha  air  an  clach- 
adh   le  muinntir   lerusaleim  ;    gu'n    do  cheus 


iad  losa  ;  gu'n  do  mharbh  iad  Stephen  agus 
Seumas  ;  agus  gu'm  marbhadh  iad  esan 
cuideachd. 

Ach  ged  a  chomhairlich  iad  dha  gun  dol  suas 
gu  lerusalem,  cha  do  ghabh  Pol  an  comhairle  ; 
leig  e  le  comhairle  a  chridhe  fein  seasamh. 
Theagamh  nach  robh  e  glic  dha  sin  a  dheanamh 
ann  an  aon  seagh,  agus  gu'n  iarradh  gliocas 
saoghalta  air  a  bhi  na  bu  chiiramaiche  ma 
bheatha  na  bha  e,  ach  air  a  shon  sin  bha  e  ceart 
do  Phol  solus  a  choinnle  fein  a  leantuinn  agus 
'aghaidh  a  thionndadh  gu  lerusalem,  dh-each 
mar  rinn  a  Mhaighstir  roimhe,  a  dh'  aindeoin 
comhairle  a  chairdean. 

Air  an  treorachadh 

Tha  mise  a'  creidsinn  le  m'  uile  chridhe  gu 
bheil  Dia  a'  lasadh  coinnleann  an  cridhe  dhaoine 
diadhaidh  leis  an  teid  aca  air  an  t-slighe  cheart 
aithneachadh  gach  uair  a  thig  iad  gu  crois-an- 
rathaid.  "  Treoraichidh  e  na  daoine  ciiiin  ann 
am  breitheanas." 

Bha  "  geimhlean  agus  amhgharan  "  Phoil  na 
bu  chumhachdaiche  ann  an  aobhar  an  t-soisgeil 
na  eadhon  na  turuis  leis  an  do  sharaich  e  a 
bhodhig  ;  tha  na  litrichean  a  sgriobh  e  anns  a' 
phriosan  a  nis  air  an  cunntas  am  measg  nan 
sguaban  as  priseile  de  thoradh  a  bheatha. 

Gun  fhios  agam  ciod  na  nithean  a  thachras 
dhomh  ;  "  cha  robh  fhios  aig  Pol,  ach  tha  fhios 
againne,  gu  robh  e  a'  dol  an  comhdhail  a'  bhais, 
an  uair  a  chuir  e  'aghaidh  air  lerusalem,  oir  ged 
nach  ann  an  lerusalem  a  bha  e  air  a  dhiteadh 
ach  anns  an  Roimh,  is  ann  an  lerusalem  a 
thoisich  an  teine  beag  a  thainig  mu  dheireadh 
gu  ire  mhor. 

Is  maith  dhuinn  gu  bheil  na  nithean  a  tha  's 
an  dan  dhuinn  ann  am  freasdal  Dhe  air  am 
foluch  oirnn  ;  is  leor  do  gach  la  a  churam  agus 
uallach  fein,  gun  uallach  an  la  maireach  a  bhi 
air  a  chur  ris.  Theagamh  gu  robh  doilghios 
Chriosd  air  a  mheudachadh  a  chionn  gu'm  bu 
leir  dha  fad  bhliadhnachan  sgail  a'  chroinn- 
cheusaidh  a  bha  thairis  air,  agus  gu  robh  fhios 
aige  ciod  na  nithean  a  thachradh  ris. 


2 


ANNS  AN  DORCHADAS— CIOD  E  AN  SOISGEUL 


Flos  roimh  laimh 

Ann  an  aon  seagh  faodaidh  sinn  fhios  a  bhi 
againn  (ann  an  tomhas  co  dhiu)  air  cuid  de  na 
nithean  a  thachras  dhuinn,  oir  thug  Dia  ciall 
agus  coguis  dhuinn,  agus  ar  cuibhrionn  ann  an 
saoghal  a  tha  air  a  riaghladh  le  laghanna  teann 
agus  seasmhach.  Ma  tha  fhios  agad  "  gu'm 
buain  thu  mar  a  chuir  tha  "  ;  no  ma  tha  fhios 
agad  "  gur  e  sith  toradh  na  fireantachd  "  ;  no 
"  gur  e  daoine  trocaireach  a  gheibh  trocair," 
chan  urrainn  dhuit  a  radh  nach  'eil  fhios  agad 
ciod  a  tha  a'  feitheamh  ort  anns  na  laithean 
nach  tainig  fhathast.  An  seorsa  duine  a  bha 
annad  an  uiridh  agus  am  bUadhna,  innsidh  sin 
ciod  an  seorsa  duine  a  bhios  annad  an  ath- 
bhliadhna.  An  Dia  anns  a  bheil  thu  a'  creid- 
sinn,  no  an  ulaidh  air  a  bheil  do  chridhe  air  a 
shocruchadh,  innsidh  sin  dhuit  (ann  an  tomhas 
CO  dhiu)  ciod  a  thachras  ort,  oir  tha  do  bheatha 
air  a  cumadh  leis  na  smuaintean  agus  na  riiin- 
tean  a  tha  'n  ad  chridhe  fada  fada  na's  mo  na 
tha  i  air  a  cumadh  le  do  chiirsa  o'n  taobh  a 
muigh. 

Tha  e  glic  dhuit  do  bheatha  a  ghabhail 
"  ceum  air  cheum,"  gun  ro-churam  a  bhi  ort  a 
thaobh  nithean  a  tha  fada  bhuait.  Ged  nach 
aithne  dhuit-se  ciod  a  tha  's  an  dorchadas,  is 
aithne  do  d'  Athair  air  neamh  ;  agus  cha 
tachair  ni  air  bith  dhuit  gun  a  chead-san.  Ma 
tha  amharus  'n  ad  chridhe  nach  'eil  Dia  a' 
riaghladh  anns  an  t-saoghal,no  a'  roimh-ordugh- 
adh  'n  a  ghradh  nan  nithean  a  tha  tachairt,  is 
ion  dhuit  ro-chiiram  a  bhi  ort  mu  chiirsa  do 
bheatha,  ach  ma  tha  thu  a'  creidsinn  gu  bheil 
fuilteinean  do  chinn  air  an  aireamh,  agus  a 
dhion  timchioll  ort  gun  sgur,  car  son  nach 
biodh  cridhe  foisneachail  agad  agus  earbsa 
laidir  ? 

Coibhneas  Dhe 

"  Ma  tha  thu  cinnteach,"  arsa  R.  L. 
Stevenson,  "  gu  bheil  Dia  a'  runachadh  a  bhi 


coibhneil  riut,  bu  choir  dhuit  a  bhi  sona."  Tha 
gach  duilleag  anns  a'  Bhiobull  ag  innseadh 
dhuinn  gu  bheil  Dia  coibhneil  ri  cloinn  nan 
daoine.  "  Dealaichidh  na  sleibhtean  ri  'm 
bunaitean,  agus  atharraichear  na  beanntan  as 
an  aite,  ach  cha  dealaich  mo  choibhneas  riut-sa." 

Ma  tha  eolas  againn  air  Dia  agus  air  a 
choibhneas,  gu  sonruichte  a  choibhneas  ann  an 
losa  Criosd,  cha  ruig  sinn  a  leas  a  bhi  'g  ar 
gearan  fein  a  chionn  nach  'eil  fhios  againn  ciod 
a  thachras  am  maireach.  Ged  nach  robh  fhios 
aig  Pol  ciod  a  bha  feitheamh  air  an  Jerusalem 
bha  eolas  aige  air  Dia,  agus  earbsa  ann  an  Dia, 
air  chor  agus  gu'n  dubhairt  e,  ann  an  la  a  theinn, 
"  Sheas  an  Tighearna  laimh  rium  agus  near- 
taich  e  mi." 

"  Gun  fhios  agam  ciod  na  nithean  a  thachras 
dhomh."  Tha  an  da  chuid  mil  agus  gath  anns 
an  fhacal  sin,  ach  bu  mhaith  leam  facail  eile  a 
chur  sios  air  an  duilleig  so  a  bheir  an  gath  as. 

Cha  hhuin  e  dhuibhsejios  nan  aimsir  no  nan  am 
fhaotainn. — Gniomharan  i.  7. 

Tha  fhios  aig  hhur  n- Athair. — Lucas  xii.  30. 

Tha  fhios  againn  gun  comh-oibrich  na  h-uile 
nithean  chum  maith  do'n  dream  aig  a  bheil  gradh 
do  Dhia. — Roman,  viii.  28. 

Tha  fhios  againn  guneisd  eruinn. — 1  Eoinv.  15. 

Tha  fhios  agam  co  ann  a  chreid  mi. — 2  Tim.  i. 
12. 

An  ni  so  a  tha  mi  a'  deanamh  chan  aithne  dhuit- 
se  a  nis,  ach  hithidhfos  agad  air  'na  dheidh  so. — 
EoiN  xiii.  7. 

Tha  moran  nithean  agam  ri  radh  ribh,  ach  chan 
urrainn  sibh  an  giiilan  an  trath  so. — Eoin  xvi.  12. 

Is  i  glbir  Dhe  ni  a  cheiltinn. — Gnath-Fhocail 
XXV.  2. 


Ciod  e  an  Soisgeul 


ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  bha  litir  o 
-"  dhuine  gun  ainm,"  ag  iarraidh  soluis  air 
rud  nach  'eil  soilleir  dha,  ciod  a  tha  an  eaglais 
no  ministearan  a'  ciallachadh  leis  an  t-soisgeul. 
Thubhairt  e  gu'm  bi  e  a'  dol  do'n  eaglais,  ach 
ged  a  bhios  e  a'  cluinntinn  shearmon  anns  a 
bheil  comhairlean  maith  air  an  toirt  dha  a 
thaobh  na  beatha  dhiadhaidh,  nach  'eil  fhios 
aige  fhathast  ciod  an  deagh  sgeul  a  dh'  fheumas 
e  a  chreidsinn  ;  no  ciod  an  doigh  anns  am  bi  e 
air  a  thearnadh,  co  dhiubh  is  ann  le  umhlachd 
a  thoirt  do  theagasg  Chriosd,  no  le  earbsa  a  bhi 
aige  anns  an  iobairt-reite  a  thairg  Criosd  do 
Dhia  air  a'  chrann-cheusaidh.  Na'n  robh 
amharus  agam  gur  ann  air  ghaol  deasboireachd, 
no  air  ghaol  a  bhi  faotainn  coire  do'n  eaglais  no 


do  mhinistearan  a  bha  a'  cheist  so  air  a  cur 
chugam,  chuirinn  anns  an  teine  i,  ach  ged  nach 
'eil  fhios  agam  co  a  chuir  'g  am  ionnsuidh  i,  bha 
mi  an  diiil  gu  robh  dreach  an  ionracais  agus  na 
h-irioslachd  oirre,  agus  mar  sin  thug  mi  am 
follais  i,  an  deidh  dhomh  an  droch  litreachadh 
agus  an  droch  sgriobhadh  a  bha  innte  a  chear- 
tachadh.  Ceist  air  bith  a  tha  air  a  cur  gu 
treibhdhireach,  air  ghaol  na  firinn,  gheibh  i  aite 
air  na  duilleagan  so  daonnan. 

Tha  mi  toilichte,  ma  ta,  gu  bheil  freagairt  air 
a  thoirt  do'n  cheist  anns  an  aireamh  so  le 
triiiir  mhinistearan  aig  a  bheil  seasamh  cho 
maith  ann  an  Eaglais  na  h-Alba  's  nach  ruig 
mise  a  leas  an  corr  a  radh  umpa  : 
Ruairidh  Moireasdan,  Lit.A.,  an  Steornabhagh 


CIOD  E  AN  SOISGEUL 


Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-Naomh- 

aig 
Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Tigh-an-Uillt. 

****** 

(Le  Ruairidh  Moireasdan,  Lit.A., 
an  Steornabhagh) 

"  Tha  an  '  Duine  gun  ainm,'  a'  cur  na  ceisd 
so  :  'Co  dhiubh  is  e  umhlachd  do  theagasg 
Chriosd  a  shaoras  mi,  no  earbsa  anns  an  iobairt- 
reite  a  thairg  e  do  Dhia  'n  am  aite  air  Calbhari?  ' 

"  So  mo  f hreagairt-sa  :  Chan  e  d' umhlachd- s a 
do  theagasg  Chriosd  a  ni  do  thearnadh.  Cha 
mho  a  thearnas  d'earhsa  ann  an  iobairt-reite 
Chriosd  thu.  Chan  e  rud  sam  bith  a  tha  'na  do 
chomas-sa,  aon  chuid  umhlachd  no  earbsa,  leis 
am  bi  thu  air  do  thearnadh.  'S  e  gniomh  Dhe 
a  mhain  a  tha  anns  an  tearnadh,  chan  e  gniomh 
an  duine,  agus  tearnaidh  Dia  gaeh  uile  dhuine 
a  dh-earbas  ri  Dia  sin  a  dheanamh.  Chan  e 
d'earbsa-sa  a  tha  'g  ad  thearnadh,  ach  's  e  Dia  a 
tha  'g  ad  thearnadh  'nuair  a  dh-earbas  tu  ris. 

'Nuair  a  sguireas  daoine  dhe  bhi  leigeil  an 
taic  air  na  ni  iad  fhein,  'nuair  a  dh'  fhagas  iad 
aig  Dia  an  obair  anns  am  bheil  tlachd  aige,  cha 
bhi  an  tuilleadh  moille  'n  an  tearnadh.  'S  e 
tha  a'  cur  bacaidh  air  tearnadh  mhorain  nach 
ceadaich  iad  do  Dhia  an  ciiis  a  ghabhail  os 
laimh  ;  tha  iad  fhein  a'  deanamh  na's  urrainn 
dhoibh  iad  fhein  a  thearnadh  ;  agus  gus  an 
sguir  an  obair  sin  chan  'eil  iad  a'  toirt  iimhlachd 
do  theagasg  Chriosd,  's  chan  eil  iad  ag  earbsa 
ann  an  iobairt-reite  Chriosd.  Tha  umhlachd  ri 
thoirt  do  theagasg  Chriosd  ;  tha  earbsa  ri  chur 
ann  an  iobairt-reite  Chriosd,  ach  is  coir  dhuinn 
an  deagh  aire  a  thoirt  nach  dean  sinn  Slan- 
uighear  aon  chuid  dhe  ar  n-iimhlachd  no  dhe 
ar  n-earbsa.  'S  e  Dia  ann  an  Criosd  a  mhain 
an  Slanuighear,  agus  's  ann  tre  bhi  ag  earbsa 
ris-san,  's  ann  tre  bhi  toirt  iimhlachd  dha-san  a 
ruigeas  tearnadh  oirnne. 

"  Thainig  Dia  ann  an  Criosd  a  dh-ionnsuidh 
an  t-saoghail  so,  agus  chuir  e  ann  an  soillear- 
eachd  le  a  theagasg  agus  le  a  ghniomharan 
gu'n  robh  e  araon  deonach  agus  comasach  air 
daoine  a  thearnadh. 

"  Tha  an  '  Duine  gun  ainm,'  a'  cur  'n  ar 
cuimhne  gu'm  biodh  na  seann  mhinistearan  a' 
labhairt  gach  Sabaid  air  innleachd  na  slainte.  'S 
-math  a  thigeadh  sin  dhoibh.  Cha  bhuin  mise 
ris  an  so  ach  ann  am  beagan  fhacal.  'S  e  tha 
ann  an  innleachd  na  slainte  gnothuch  eadar 
pearsachan  na  Diadhachd,  gnothuch  tre  an  do 
reitich  Dia  slighe  dha  fhein  anns  am  biodh  e 
'na  Dhia  ceart  'nuair  a  thearnadh  e  peacaich 
nach  robh  airidh  air  tearnadh.  'S  ann  gun 
teagamh  air  Calbhari  a  bha  an  reite  sin  air  a 
dheanamh.  'S  ann  bho  Chalbhari  tha  guth 
Dhe  a'  tighinn  a  mach  a  dh-ionnsuidh  an  t- 
saoghail,  ag  glaodhach,  '  Seallaibh  riumsa,  uile 


iomalla  na  talmhainn,  agus  bithibh  air  bhur 
tearnadh.'  'S  e  an  guth  sin  an  Soisgeul,  an 
deagh  sgeul  gu'm  bheil  Dia  araon  deonach  agus 
comasach  air  daoine  a  thearnadh,  agus  mur  'eil 
mise  air  mo  mhealladh  b'e  sin  an  teachdaireachd 
a  bha  aig  na  seann  mhinistearan,  agus  mo 
thruaighe  ministear  sam  bith,  no  sluagh  sam 
bith,  aig  nach  'eil  an  dearbh  theachdaireachd 
sin  an  diugh. 

"  An  la  a  dh'  earbas  tusa  do  thearnadh  ri  Dia 
ann  an  Criosd  tha  do  thearnadh  cinnteach  ;  tha 
Dia  'ga  ghabhail  os  laimh  agus  bheir  esan  gu 
buil  e.  'S  e  do  ghnothuch-sa  a  bhi  lan-chreidsinn 
gu'm  bheil  e  deonach  agus  comasach  sin  a 
dheanamh.  Gun  teagamh  's  e  dleasdanas  agus 
iarrtus  gach  uile  Chriosduidh  iimhlachd  a  thoirt 
do  theagasg  Chriosd,  agus  as  eugmhais  naomh- 
achd — 's  e  sin  iimhlachd  iomlan  do  theagasg 
Chriosd — chan  f  haic  neach  Dia.  Ach  ciamar  a 
ruigeas  am  peacach,  's  e  sin  an  Criosduidh,  oir 
ged  a  tha  e  'na  Chriosduidh  tha  e  fhathast  'na 
pheacach,  cionnus  a  ruigeas  peacach  air  an 
t-suidheachadh  so  ?  Chan  'eil  rian  air  ach  le 
bhi  ag  earbsa  a  chilis  ri  Dia.  A  cheart  cho 
cinnteach  's  a  fhuair  thu  slainte  no  tearnadh 
tre  bhi  'g  ad  earbsa  fhein  ri  Dia  ann  an  Criosd 
•gheibh  thu  naomhachd  mar  an  ceudna  tre  bhi 
a'  buanachadh  anns  an  earbsa  sin.  'S  ann  bho 
laimh  Dhe  a  thig  naomhachd  mar  is  ann 
bhuaithe  a  thainig  maitheanas. 

"  'S  e  deagh  sgeul  an  t-soisgeil  gu'n  robh 
Dia  ann  an  Criosd,  a'  deanamh  an  t-saoghail 
reidh  ris  fein,  gun  a  bhi  meas  an  cionta  dhoibh, 
agus  gu'm  faigh  an  duine  a  leigeas  a  thaic  air 
gniomh  Dhe  tearnadh  iomlan,  leis  gach  beann- 
achd,  anns  a'  bheatha  so  is  anns  an  t-siorruidh- 
eachd,  a  tha  sin  a'  gabhail  a  stigh." 


(Le  Alasdair  Mac  Fhionghuin,  Ph.D., 
an  Cill-mo-Naomhaig) 

"  Ann  a  bhi  a'  freagairt  na  litreach  anns  a 
bheil  '  Duine  gun  ainm,'  ag  radh  nach  'eil  fhios 
aige  ciod  a  tha  ministearan  agus  ceistearan  a' 
ciallachadh  leis  an  t-soisgeul,  theirinn  an  tois- 
each  nach  'eil  e  'na  ionghnadh  leam  ged  a 
bhitheas  ministearan  air  uairean  a'  labhairt 
air  teagasg  Chriosd  mar  an  soisgeul  ;  air  uair 
eile  air  an  iobairt-reite  mar  an  soisgeul  ;  agus 
a  rithist,  air  na  sochairean  spioradail  a  tha 
creidmhich  a'  sealbhachadh  mar  oighreachan  air 
Dia,  mar  an  soisgeul.  Cha  mhotha  a  tha  an 
t-amladh  sin  a'  cur  moran  dragha  orm,  a  chionn 
gu  bheil  an  soisgeul  'g  an  gabhail  a  stigh  air  fad. 
Mar  an  ceudna,  tha  mi  a'  cuimhneachadh  gu'm 
faodadh  '  Duine-gun  Ainm,'  an  gearan  ceudna 
a  dheanamh  mu  theagasg  Chriosd  fein  mu 
rioghachd  Dhe,  no  rioghachd  neimh.  Rinn 
Criosd  moran  searmonaehaidh  mu  'n  rioghachd 


CIOD  E  AN  SOISGEUL 


so,  agus  tha  roinn  d'a  theagasg  'n  'ur  lamhan, 
o'm  bheil  sinn  a'  faicinn  gu  bheil  E  a'  ciallachadh 
leis  an  rioghachd  aig  aon  am  riaghladh  Dke  ann 
am  beatha  dhaoine  ;  aig  am  eile,  tha  E  a'  ciall- 
achadh an  t-sluaigk  anns  am  bheil  Dia  a'  riagh- 
ladh ;  agus  aig  am  eile,  tha  E  a'  ciallachadh  nan 
sochairean  a  hhuineas  dhoibhsan  a  fhuair  eblas 
sbnruichte  air  Dia.  '  Uime  sin,  tha  mi  ag  radh 
ribh,  gu'n  toirear  rioghachd  Dhe  uaibhse,  agus 
gu'n  toirear  do  chinneach  eile  i,  a  bheir  a  mach 
a  toraidh.' 

"  Agus  cha  chreid  mi  nach  'eil  seagh  eile 
f hathast  anns  am  bheil  rioghachd  Dhe  air  a 
tuigsinn,  'se  sin,  sluagh  saorta  Dhe  air  an 
ardachadh  ann  an  gloir  agus  neo-bhasmhorachd 
anns  am  bheil  toil  Dhe  a'  riaghladh,  agus  le  am 
bheil  Ian  sheirbhis  Dhe  'g  a  comhlionadh. 

"Mar  a  tha  cuspair  naor  aig  fear-teagaisg, 
cuiridh  e  ann  an  caochladh  chruth  e  fo  an  aon 
ainm.  Is  ann  mar  sin  a  tha  a  thaobh  an  t- 
soisgeil.  Ciod,  ma  ta,  a  tha  sinn  a'  ciallachadh 
leis  an  t-soisgeul  ?  Tha,  ann  am  briathraibh  is 
aithne  do  na  leanabaibh,  gur  '  ann  mar  sin 
a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n  d'  thug 
E  aon-ghin  mhic  a  chum  as  ge  b'e  neach  a 
chreideas  ann,  nach  sgriosar  e,  ach  gu'm  bi  a' 
bheatha  shiorruidh  aige.'  Is  e  sin  cridhe  na 
deagh  sgeil  mhor-aoibhneis  ;  agus  tha  e  duilich 
leamsa  a  chreidsinn  gu  bheil  duine  pongail  air 
bith  ag  eisdeachd  shearmon  fad  bhliadhnachan 
a  tha  ann  an  teagamh  mu'n  chilis. 

"  A  thaobh  nan  ceistean  eile,  an  e  iimhlachd 
do  theagasg  Chriosd  a  shaoras  duine,  no  earbsa 
anns  an  iobairt-reite,  cha  chreid  mi  gur  e  aon 
seach  aon  dhiubh  a  shaoras  duine,  ach  an  da 
chuid  comhla.  Chan  'eil  e  iomchuidh  a  bhi  a' 
feuchainn  ri  sgaradh  a  dheanamh  eadar  am 
Fear-teagaisg  agus  an  Iobairt-reite  ;  oir  is  e 
an  aon  neach  a  tha  air  fhoillseachadh  annta. 
Ma  shaoileas  duine  gu'n  saorar  e  le  earbsa 
anns  an  iobairt  a  mhain,  eisdeadh  e  ris  an 
f hocal  so  :  '  Gach  uile  neach  a  chluinneas  na 
briathran  so  agamsa,  agus  nach  coimhlion  iad, 
samhlaichear  e  y\  duine  amaideach  a  thog  a 
thigh  air  a'  ghainneamh  ;  agus  thiiirling  an 
t-uisge,  agus  thainig  na  tuiltean,  agus  sheid  na 
gaothan,  agus  bhuail  iad  air  an  tigh  sin  ;  agus 
thuit  e  ;  agus  bu  mhor  a  thuiteam.' 

"Is  ann  mar  so  a  tha  mise  a'  tuigsinn  na 
ctiise  :  an  uair  a  tha  duine  air  a  ghluasad  gu 
bhi  ag  iarraidh  saorsa  o  chionta,  is  e  a'  chiiis 
chudthromach  ciamar  a  gheibh  e  maitheanas  o 
Dhia.  Saoilidh  e  nach  gabh  a  pheacanna  toirt 
as  an  rathad,  no  an  cuing  a  thogail  dheth  gu 
brath.  Anns  an  t-suidheachadh  thruagh  sin, 
chan  'eil  doigh  eile  anns  am  faigh  e  saorsa  ach 
le  sealltuinn  ri  Criosd  air  a  cheusadh,  a'  giiilan 
peacaidh  an  t-saoghail,  agus  aig  deireadh  a' 
ghnothuich,  a'  tairgseadh  maitheanais  do  na 
h-uile  a  ghabhas  ris.  Ann  a  bhi  a'  creidsinn 
gu'n  d'  thug  Criosd  e-fein  air  a  shon  ann  an 


gradh  nach  gabh  tuigsinn  no  tomhas,  agus  gu'n 
robh  Dia  ann  an  Criosd  a'  deanamh  an 
t-saoghail  reidh  ris  fein,  gun  a  bhi  a'  meas  an 
cionta  dhaibh,  tha  duine  a'  faighinn  saorsa  o 
uallach,  agus  o  eagal  ;  agus  a'  tighinn  gu  reite 
ri  Dia. 

"  Ach  chan  'eil  an  sin  ach  toiseach  a  shlainte 
spioradail.  Ged  is  priseil  dol  as  o  bhagradh 
breitheanais,  is  fearr  gu  bheil  gairm  ard  air  a 
cur  roimhe,  eadhon  fas  ann  an  gras,  maise,  agus 
cumhachd  na  diadhaidheachd,  gus  am  bi  e  mu 
dheireadh  air  a  chruth-atharrachadh  gu  coslas 
glormhor  Chriosd  fein.  A  chum  na  criche  sin, 
chan  'eil  dha  ach  aon  doigh,  's  e  sin,  teagasg 
agus  eiseimpleir  Chriosd  agus  nan  abstol  a 
ghabhail  gu  cridhe.  Mur  dean  e  sin,  tuitidh  e 
air  ais  do'n  pheacadh  a  ris,  a  dh'  aindeoin  gu'n 
d'  fhuair  e  maitheanas  roimhe  sin  ;  agus  ma 
shaoileas  neach  air  bith  gu  'n  saorar  e  le  muinghin 
a  chur  anns  an  iobairt-reite,  am  feadh  is  a  tha 
e  a'  cur  teagaisg  Chriosd  ann  an  suaraicheas, 
tha  e  g'  a  mhealladh  fein.  Car  son  idir  a  rinn  iSi 
an  Tighearn  uiread  teagaisg,  agus  na  h-abstoil  i 
a  leithid  eile,  ma  shaorar  daoine  as  eugmhais  ? 
Faodaidh  cuid  a  bhi  crabhach,  a'  creidsinn  gu 
bheil  iad  sabhailte  o  na  bhasaich  am  Fear- 
saoraidh  air  an  son,  ged  a  tha  iad  feineil,  uaibh- 
reach,  sanntach,  neo-ghradhach  am  measg  an 
comh-chreutairean.  Ach  a  reir  fhocail  fein, 
chan  aidich  Esan  an  seorsa  sin  mar  a  shluagh 
saorta  ;  ach  aidichidh  E  iadsan  a  ni  toil  Dhe. 

Mar  sin,  tha  duine  a'  faighinn  maitheanais 
'n  a  chionta  agus  reite  ri  Dia  air  sgath  na 
h-iobairt-reite  ;  agus  tha  e  a'  faighinn  aithne 
is  eiseimpleir,  comhairle  is  earail,  comhfhur- 
tachd  is  gealladh,  gu  bhi  'g  a  oileineachadh  anns 
an  diadhaidheachd,  agus  le  cuideachadh  an 
Spioraid  naoimh,  g'a  chur  air  aghaidh  a  chum 
lanachd  na  slainte.     Tha  an  da  chuid  feumail." 


(Le  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A., 
Tigh-an-Uillt) 

"  Mu'n  urrainn  duine  a  bhi  air  a  thearnadh 
feumaidh  e  sealladh  fhaotainn  air  grainealachd 
a'  pheacaidh  agus  maitheanas  fhaotainn  trid 
losa  Criosd. 

"  Tha  mi  cinnteach  gu'm  faca  no  gu'n  cual  thu 
uaireigin  mu  dhithis  a  bha  'n  am  f  ior  chairdean 
re  iomadh  bliadhna.  Aon  latha  rinn  an  dara 
h-aon  gniomh  mosach  air  an  aon  eile  :  gniomh 
nach  deanadh  fior  charaid  idir.  Bha  bann  a' 
chairdeis  air  a  bhriseadh  is  rinn  an  droch 
ghniomh  so  an  eadar-dhealachadh. 

"  Mu'm  b'  urrainn  an  ciontach  a  bhi  air  a 
ghabhail  a  steach  a  ris  mar  charaid  dh'  fheum- 
adh  e  f haicinn  gu'n  do  rinn  e  cearr,  agus  maith- 
eanas fhaotainn. 

"  Chan  e  ni  furasda  a  tha  ann  idir  olc  mor  a 


CIOD  E  AN  SOISGEUL— AN  EAGLAIS  PHAPANACH  AN  ALBAINN 


mhaitheadh  do  neach  eile.  Tha  an  cridhe 
aige-san  a  mhaitheas  e  air  fhasgadh  's  air  a 
chradh.  Tha  e  mar  gu'm  biodh  e  a'  gabhail 
ciont  an  fhir  eile  air  fein. 

"  Chi  sinn  a'  cheart  ni  so  a'  tachairt  air 
Calbhari.  Ghabh  Criosd  naire  a'  pheacaidh  air 
fein  agus  dh'  fhuiling  e,  am  firean  ann  an  aite  an 
neo-fhirean. 

"  Air  Calbhari  choinnich  gradh  Dhe  ann  an 
Criosd  agus  peacadh  an  t-saoghail.  Re  iiine 
bhig  shaoil  daoine  gun  d'  fhuair  am  peacadh  a' 
bhuaidh  ach  cha  d'  fhuair  ;  dh'  eirich  Criosd  le 
cumhachd  agus  tha  e  beo  gu  bhi  a'  deanamh 
eadar-ghuidhe  air  ar  son  aig  deas  laimh  na 
morachd. 

"  Nuair  chi  mac  an  duine  grainealachd  a' 
pheacaidh  a  rinn  e  ann  an  aghaidh  graidh  cho 
mor  tha  e  a'  guidhe  air  son  trocair  agus  eisdidh 
Criosd  ris  agus  bheir  e  solus  dha. 

"  Tha  e  an  sin  a'  dol  air  aghaidh  bho  neart 
gu  neart.  Na  peacaidhean  anns  an  robh  e  a' 
gabhail  tlachd  anns  an  am  a  chaidh  seachad, 
cha  ghabh  e  tlachd  annta  na's  mo.  Tha  cridhe 
glan  'na  chom  agus  a  smuaintean  gu  trie  air  na 
nithean  sin  a  ta  shuas.     Tha  e  a'  leiffeil  ris  'na 


dhol  a  mach  's  'na  theachd  a  steach,  'na  ghiiilan 
's  'na  chaitheamh-beatha  co  dha  a  ta  e  a'  dean- 
amh seirbhis.  Is  urrainn  da  a  radh  maille  ris 
an  Abstol  Pol,  '  gidheadh  a  ta  mi  beo,  ach  cha 
mhise  ach  Criosd  a  ta  beo  annam.' 

Deagh  sgeul  an  t-Soisgeil 
Chan  eil  deagh  sgeul  an  t-soisgeil  a'  tois- 
eachadh  gus  an  do  dh'  eirich  Criosd  le  buaidh 
thairis  air  an  uaigh  agus  air  a'  bhas.  Chunnaic 
a  dheisciobuil  e,  agus  moran  eile  agus  an  sin 
chaidh  iad  a  mach  leis  an  deagh  sgeul  gu  bheil 
E  beo,  agus  gu'm  bi  sinne  beo  maille  ris  mar 
an  ceudna. 

"  Tha  an  deagh  sgeul  a'  filleadh  a  steach  gach 
ni  a  dh'  ainmich  thu,  teagasg  Chriosd  mu  Dhia 
agus  mu'n  bheatha  shona  agus  dhiadhaidh : 
teagasg  nan  Abstol  mu  Chriosd  agus  mu  bhas  : 
an  Spiorad  Naomh  ag  oibreachadh  ann  an 
cridheachan  dhaoine. 

Ma  tha  thusa  a'  creidsinn  gur  e  Criosd 
Mac  Dhe  agus  gu'n  do  dh'  fhuiling  e  air  son  do 
pheacaidh,  agus  gur  urrainn  da  maitheanas 
a  thoirt  dhuit,  bheir  thu  iimhlachd  dha  agus 
bidh  e  a'  fas  annad  srach  la." 


An  Eaglais  Phapanach  an  Albainn 


THUBHAIRT  an  t-Ollamh  Iain  Watson 
nach  maireann,  an  uair  a  dh'  fhasadh 
ministear  de'n  eaglais  Steidhichte  leasg,  gu'n 
toisicheadh  e  air  seann  searmoin  a  liubhairt, 
ach  an  uair  a  dh'  fhasadh  ministear  de'n  eaglais 
Shaoir  leasg,  gu'n  toisicheadh  e  air  searmon- 
achadh  an  aghaidh  na  h-eaglais  Phapanaich. 
Ma  bha  da  bhoinne  de'n  fhirinn  anns  an  fhacal 
sin  uaireigin,  chan  'eil  aon  bhoinne  ann  an 
diugh,  oir  is  annamh  a  chluinnear  neach  air 
bith  an  diugh  a'  togail  fianuis  an  aghaidh 
meai'achdan  na  h-eaglais  Phapanaich,  sioch 
seachain  a  bhi  a'  cur  sios  oirre.  Tha  sinn  uile 
cho  mor  an  eisiomail  nan  naomh  agus  nan 
diadhairean  a  bha  air  an  arach  agus  air  an 
oileanachadh  innte  's  nach  toigh  leinn  dad 
cearr  a  radh  mu'n  mhathair  a  thug  cioch  is 
bainne  dhaibh. 

A  thuilleadh  air  sin  tha  clann  Ghamalieil  a' 
fas  na's  lionmhoire  na  bha  iad  aon  uair,  an 
duine  glic  a  thubhairt,  "  Leigibh  leo,  ma's  ann 
o  dhaoine  a  tha  a'  chomhairle  so  no  an  obair 
so,  thig  i  gu  neo-bhrigh,  ach  ma's  ann  o  Dhia 
a  tha  i,  chan  urrainn  sibhse  a'  cur  gu  neo- 
bhrigh." 

Firinnean  siorruidh 

Tha  an  eaglais  Phapanach  gu  maith  na  sine 
na  na  h-eaglaisean  eile  a  tha  againn  an  Albainn, 
is  faodar  a  bhi  cinnteach  nach  e  a  mearachdan 
a  tha  'ga  cumail  beo  ach  na  firinnean  siorruidh 


air  a  bheil  i  a'  seasamh  gu  daingean.  A  dh' 
aindeoin  ghisreagan  a  tha  aice  'na  h-aoradh, 
agus  a'  chuing  a  tha  i  a'  cur  air  amhaichean 
chreidmheach,  agus  fichead  rud  eile  a  tha  'n  ar 
siiilean-ne  faoin  agus  leanabail  agus  neo- 
spioradail,  cha  chualas  riamh  fuaim  neo-chinn- 
teach  o'n  eaglais  Phapanaich  a  thaobh  firinnean 
mora  a'  Chreidimh,  a  thaobh  diadhachd  Chriosd, 
a  thaobh  na  h-aiseirigh,  no  a  thaobh  na  beatha 
shiorruidh.  Eaglais  air  bith  a  tha  a'  creidsinn 
agus  a'  teagasg  gu  d'  fhoillsicheadh  Dia  anns  an 
fheoil  ;  gu  robh  Mac  siorruidh  Dhe  air  a  cheus- 
adh  air  Calbhari  ;  gu'n  d'  eirich  e  o  na  mairbh 
agus  gu'n  deachaidh  e  suas  gu  deas-laimh  Dhe 
far  a  bheil  e  a'  coimhlionadh  sagartachd  shiorr- 
uidh as  leth  pheacach  ;  gu'n  tig  e  a  ris  a  thoirt 
breith  air  na  beothaibh  agus  air  na  mairbh  ; 
a  tha  creidsinn  anns  an  Spiorad  Naomh,  ann 
am  maitheanas  peacaidh,  ann  an  aiseirigh  a' 
chuirp,  agus  anns  a'  bheatha  mhaireannaich, — 
eaglais  air  bith  a  tha  a'  creidsinn  anns  na 
firinnean  sin  agus  'g  an  teagasg,  chan  abrainn- 
sa  nach  eaglais  Chriosduidh  i. 

Aireamh  nam  Papanach 

A  bheil  an  eaglais  Phapanach  a'  fas  an 
Albainn  ?  Tha,  agus  chan  'eil.  Tha  aireamh 
nam  Papanach  a'  dol  am  meud,  ach  is  e  an 
t-aobhar  gu  bheil  moran  Eirionnach  a'  tighinn 


6 


AN  EAGLAIS  PHAPANACH  AN  ALBAINN 


a  nail  a  Eirinn  a  h-uile  bliadhna  a  dheanamh  an 
comhnuidh  an  Albainn.  Bha  iad  sin  'n  am 
Papanaich  m'  an  tainig  iad  a  nail,  is  leanaidh 
iad  f  hein  agus  an  teaghlaichean  air  a  bhi  'n  am 
Papanaich.  Ach  chan  'eil  an  eaglais  Phapanach 
a'  deanamh  adhartas  air  bith  am  measg  fior 
shluagh  na  h-Alba. 

Tha  so  air  a  dheanamh  soilleir  agus  cinnteach 
ann  an  leabhran  beag  a  bha  air  a  chur  a  mach 
o  chionn  ghoirid  leis  an  Urramach  I.  Hutchison 
Cockburn,  D.D.,  an  Diin-Blaain.  Anns  an 
leabhran  so  tha  e  a'  tighinn  thairis  air  oraid  a 
bha  air  a  liubhairt  aig  cruinneachadh  mor  am 
baile  Ath-chliath  (Dublin)  leis  an  Athair  Urra- 
mach McGettigan  : 

"  Tha  corr  agus  tri  cheiid  bliadhna,"  ars  esan  "  bho 
na  dhealaich  muinntir  na  h-Alba  ris  an  eaglais 
Phapanaich,  ach  chan  'eil  mi  a'  faicinn  comharadh  air 
bith  gu  bheil  iad  a'  tighinn  air  an  ais  innte.  A  dh' 
aindeoin  cho  dlleas  's  'ga  bheil  sinn  a'  saothrachadh 
'n  am  measg,  a'  frithealadh  orduighean  na  h-eaglais, 
chan  'eil  sinn  a'  deanamh  driiidheadh  air  bith  air 
inntinnean  an  t-sluaigh,  no  'g  an  taladh  d'  ar  n-ionn- 
suidh.  Ma  tha  aireamh  ar  sluaigh  a'  dol  am  meud, 
is  e  an  t-aobhar  gu  bheil  iad  a'  tighinn  chugainn  a 
Eirinn,  agus  gu  bheil  iad  a'  siolachadh  na's  mo  na 
seann  stoc  na  h-Alba.  Tha  greim  gu  maith  laidir 
againn  anns  na  tri  bailtean-mora  as  motha,  gu  son- 
raichte  ann  an  Glaschu,  ach  chan  'eil  greim  againn 
ach  air  luchd-oibre,  agus  thabeo-shlaintluchd-oibre  cho 
neo-chinnteach  dhaibh  's  gu'm  faod  iad  a  bhi  an  so  an 
diugh  agus  an  aite  eile  am  maireach.  Air  an  dixthaich 
far  am  faighear  fior  stoc  na  h-Alba  chan  'eil  aite- 
seasaimh  idir  againn  ;  chan  'eil  an  eaglais  Phapanach 
ann  idir.  Agus  rud  as  iongantaiche  air  fad,  anns  na 
cearnaibh  sin  far  an  robh  i  aon  uair  laidir,  agus  far  an 
do  dhealraich  a  solus  mar  a'  ghrian,  na  cearnan  anns 
an  robh  abaidean,  is  annaidean,  is  manachainean,  air 
an  suidheachadh, — chan  'eil  i  an  diugh  ri  fhaicinn 
anns  na  cearnaibh  sin  idir.  Is  e  an  fhirinn  gu  bheil 
muinntir  na  h-Alba  cho  laidir  an  aghaidh  na  h-eaglais 
Phapanaich  's  a  bha  iad  riamh.  Theagamh  gu  bheil 
iad  coimhearsnachail  agus  coibhneil  ri  Papanaich  fa 
leth,  ach  a  thaobh  riaghladh  a'  Phapa,  no  a  thaobh  na 
sagartachd,  no  a  thaobh  na  h-aifrinn,  bu  cho  maith 
dhuit  a  bhi  bruidhinn  ri  creig  ri  feuchainn  r'a  thoirt 
air  muinntir  na  h-Alba  gniiis  a  thoirt  do  na  nithean 
sin,  no  gabhail  riu." 

Naisinn  na  h-Alba 

Tha    da    sheorsa    Phapanach    an    Albainn, 

(1)  naisinn  na  duthcha  a  dh'  fhan  'n  am 
Papanaich   aig   am   an   Ath-leasachaidh,   agus 

(2)  Eirionnaich  a  thainig  a  dh'  Albainn  a  dh' 
iarraidh  cosnaidh  agus  a  dh'  fhuirich  ann. 

Gheibhear  a'  cheud  sheorsa  an  siorramachd 
Inbhir-nis  (Barraidh  is  Uidhist  is  Morar),  an 
siorramachd  Dhim-fris,  an  siorramachd  Bhanbh, 
agus  an  cearnaibh  a  dh'  Obar-eathain.  Chan 
'eil  miighadh  air  bith  eadar  na  daoine  sin  agus 
an  corr  de  'n  t-sluagh  ;  tha  iad  de'n  aon  fhuil 
agus  de'n  aon  ghne  r'an  coimhearsnaich,  is  tha 
an  aon  doigh  beatha  aca.  Tha  tighinn  is  dol 
eadar  iad  f hein  agus  Prostanaich  gun  sgur,  agus 
na's  lugha  de  fhuath  no  de  chiil-chaineadh  na 
bha    uaireigin    eadar    an    eaglais    Shaor    agus 


eaglais  na  h-Alba.  Chan  'eil  an  seorsa  so  a' 
dol  am  meud,  ged  nach  cuireadh  e  campar  air 
an  coimhearsnaich  ged  a  bhitheadh,  a  chionn 
gur  ann  de'n  cheart  stoc  riu  fhein  a  tha  iad. 
Tha  e  air  a  radh  gu'm  faodar  aireamh  na  feadh- 
nach  so  a  chur  sios  aig  tri  fichead  mile  's  a  deich. 
Chan  'eil  iad  a'  siolachadh  ach  car  coltach  r'  an 
coimhearsnaich  Phrostanach. 

Ach  tha  e  a'  cur  an  da  chuid  campar  agus 
eagal  air  daoine  glic  is  tvirail  an  seorsa  eile  a  bhi 
a'  fas  lionmhor,  Papanaich  Eirionnach  nach  'eil 
de'n  aon  fhuil  no  de  'n  aon  ghne  idir  ri  muinntir 
na  h-Alba.  An  uair  a  bha  obair  pailt,  agus 
tuarasdail  beag,  agus  biadh  saor,  thainig  sgaoth 
dhiubh  so  a  dh'  obair  air  Cluaidh,  is  tha  an  treas 
agus  a'  cheathramh  gineal  dhiubh  a  nis  'g  an 
sgaoileadh  fein  air  feadh  na  tire,  far  a  bheil 
oibrichean  iaruinn  agus  guail.  Tha  e  air  a 
radh  gur  e  Papanaich  Eirionnach  a  tha  anns  a' 
cheathramh  cuid  de  mhuinntir  Ghlaschu,  agus 
gu  bheil  iad  a'  siolachadh  fada  na's  braise  na 
na  Prostanaich.  Tha  innleachdan  folachaidh 
aig  mnathan  nodha  leis  an  teid  aca  air  gun 
clann  a  bhi  aca,  ach  ged  tha  na  h-eaglaisean 
Prostanach  a'  leigeil  an  toil  fein  le  parantan 
anns  a'  chiiis  sin,  tha  an  eaglais  Phapanach  a' 
toirmeasg  nan  innleachdan  sin,  agus  a'  toirt  a 
beannachd  do  theaghlaichean  mora. 

Ar  n-oighreachd 

Cha  bu  mhaith  an  gnothuch  gu'n  cailleadh 
Albainn  fhior  dhreach  fein,  no  gu'n  cailleadh 
e  fuil  agus  gnaths  agus  creideamh  ar  sinnsir. 
Fhuair  sinn  oighreachd  bho  ar  sinnsear  fada 
fada  na's  fhearr  na  ni  air  bith  as  urrainn  Papa- 
naich Eirionnach  a  thoirt  dhuinn,  ach  mur  bi 
sinn  ciiramach  m'  an  oighreachd  sin,  agus  mur 
sealbhaich  sinn  le  sgoinn  an  tir  anns  an  d'  araich- 
eadh  sinn,  cha  ruig  sinn  a  leas  a  bhi  an  diiil  nach 
tig  daoine  eile  'g  a  sealbhachadh. 


Is  e  mac  Gaidheil,  mac  ministeir  anns  an 
t-seann  eaglais  Shaoir,  a  thug  an  togail  bu  mho 
do'n  eaglais  Phapanaich  a  fhuair  i  riamh  an 
Albainn,  am  Morair  Alness  (Raibeart  Mac  an 
Rothaich),  a  rinn  an  t-achd  iir  ris  an  abrar  "  Achd 
an  Fhoghluim,  1918."  Leis  an  achd  sin  tha  e 
mar  f hiachaibh  air  muinntir  na  h-Alba  sgoilean 
a  chur  suas  ann  an  aite  air  bith  anns  an  abair 
an  eaglais  Phapanach  gu  bheil  feum  aice  orra, 
agus  b'  fheudar  dhaibh  na  seann  sgoilean  a  bha 
aice  a  cheannach  gu  daor.  Cha  b'  ann  mar  sin 
a  thachair  ann  an  1870,  'nuair  a  ghabh  an  Staid 
thairis  na  sgoilean  a  bha  aig  eaglais  na  h-Alba 
agus  aig  an  eaglais  Shaoir.  Thug  iadsan 
seachad  na  sgoilean  mar  thiodhlac  saor  gun  aon 
fhardain  iarraidh  o'n  Staid.  Ach  chuir  Achd 
Mhic  an  Rothaich  miltean  a  dh'  airgiod  am 
poca  na  h-eaglais  Phapanaich. 


A'  GHAOTH  AN  EAR— AIG  AN  UINNEIG 


A'  Ghaoth  an  ear 


THA  mi  'g  a  sgriobhadh  so  air  an  deicheamh 
la  de  December,  ach  tha  beagan  de'n  bharr 
a  mach  fhathast  amis  na  glinn  so,  ged  nach  'eil 
moran.  Cha  chuimhne  leis  an  duine  as  sine 
foghar  cho  fliuch  's  a  bha  againn  am  bliadhna, 
no  droch  shid  a  lean  cho  fada.  Ach  anns  na 
neoil  as  duirche  chithear  am  bitheantas  iomall 
no  cirb  nach  'eil  cho  dubh  ris  a'  chorr,  agus 
b'e  an  aon  rud  a  b'  fhearr  ann  an  droch  shid 
an  fhoghair  anmoich  so,  nach  robh  a  bheag 
de  ghaoith  an  ear  againn.  Tha  a'  ghaoth  an 
ear  an  diugh,  is  chart  'eil  a'  ghaoth  an  ear 
maith  do  dhuine  no  do  ainmhidh;  cuiridh  i 
greann  orra,  is  ni  i  cas  agus  crosda  iad. 

Tha  i  air  a  h-ainmeachadh  anns  a'  Bhiobull 
an  iomadh  aite,  a'  seargadh  chraobh  is  mheas, 
agus  a'  toirt  locuist  do  'n  tir,  ach  rinn  i  maith 
do  chloinn  Israeil  aon  uair  co  dhiu,  an  oidhche 
a  thug  an  Tighearn  air  an  f  hairge  dol  air  a  h-ais 
le  gaoth  laidir  o'n  ear,  agus  a  roinneadh  na 
h-uisgeachan,  agus  a  chaidh  iad  thairis  air  an 
fhairge  le  casa  tioram. 

Chan  aithne  dhomh  ach  aon  searmon  anns  a 
bheil  a'  ghaoth  an  ear  air  a  h-ainmeachadh, 
searmon  a  bha  air  a  chur  a  mach  leis  an  Ollamh 
Seoras  Moireasdan  an  Glaschu.  B'e  an 
ceann-teagaisg,  "  Chaisg  e  a  ghaoth  gharbh  ann 
an  la  na  gaoithe  an  ear  "  (Isaiah  xxvii.  8),  agus 
ma's  maith  mo  chuimhne,  is  e  an  teagasg  a' 
thug  e  as ,  nach  leig  Dia  le  shluagh  a  bhi  air  an 
saruchadh  le  uile  thrioblaidean  na  beatha  so  aig 
an  aon  am.  Is  leor  do  la  na  gaoithe  an  ear  a' 
ghaoth  an  ear  f  hein. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  agad,  a  leugh- 
adair,  mar  bha  R.  L.  Stevenson  air  a  sharuchadh 
leis  a'  ghaoith  an  ear  an  laithean  oige,  an  Dun- 
eideann,  agus  a'  ghrain  uamhasach  a  bha  aige 
oirre.  Ged  nach  'eil  e  ceart  dhuinn  a  bhi  a' 
gearan  air  an  t-sid,  a  chionn  gur  e  Dia  a  tha  'g 
a  deanamh,  faodar  a  radh  co  dhiu  gu'n  do  theab 
gaoithean  cruaidh  biorach  Dhiin-eideann  R.  L. 
Stevenson  a  mharbhadh  'n  a  bhalach,  agus  mar 
sin  gu'm  faodar  a  lethsgeul  a  ghabhail  air  son 


nam  briathran  nimheil  anns  an  do  mhallaich  e 
sid  Dhim-^ideann. 

Rinn  Tearlach  Kingsley  crioman  gasda,  de 
bhardachd,  a'  moladh  na  gaoithe  an  ear,  ach 
bha  Tearlach  Kingsley  'n  a  fhior  dhuin-uasal, 
is  tha  amharus  agam  gu'n  do  mhol  e  i  a  chionn 
gu  robh  daoine  eile  'ga  diomoladh.  An  deidh 
a  bhais ,  thubhairt  an  t-Ollamh  Stopford  Brooke, 
"  Rinn  Tearlach  Kingsley  oran  gun  tiir,  a' 
moladh  na  gaoithe  an  ear,  ach  dhearbh  ise 
nach  'eil  innte  ach  an  droch  bhiast,  oir  mharbh 
i  an  duine  laghach  a  mhol  i." 

An  uair  a  sheideas  a'  ghaoth  o'n  ear  bhiodh 
e  glic  do  theaghlaichean  agus  do  choimhears- 
naich  faidhidinn  agus  gliocas  agus  ciiiine  a  thasg- 
adh  suas  'n  an  cridheachan  a  dh'  fheitheamh 
air  an  droch  nadur  a  bheir  i  'na  lorg,  direach 
mar  a  bhios  ciobairean  air  a'  mhonadh  agus 
daoine  a  tha  fuireach  anns  na  h-eileanan,  no  an 
aitean  iomallach,  a'  cur  luim  air  stor  a'  gheamh- 
raidh  fhaotainn  m'  am  bris  air  an  t-sid.  Eirigh 
tonn  air  uisge  balbh  ;  am  fear  no  an  te  a  tha 
cho  citiin  ri  Maois,  no  cho  reidh  ri  Isaac,  cho 
fad  's  a  tha  a'  ghaoth  o'n  deas  no  o'n  iar,  fasaidh 
iad  cho  cas  greannach  rithe  f  hein  an  uair  a  tha 
a'  ghaoth  o'n  ear,  is  bheir  iad  dhiot  an  t-sron, 
ma  their  thu  dad  'n  an  aghaidh.  Sin  an  t-am 
anns  a  bheil  feum  aig  daoine  air  faidhidinn  agus 
air  gliocas.  Tha  a'  ghaoth  an  ear  a'  deanamh 
uiread  aimhreit  ann  an  teaghlaichean  agus 
eadar  rioghachdan  's  gu'm  feuchainn,  na'n  robh 
mi  rud  beag  na  b'  oige,  ri  comunn  iir  a  chur  air 
chois,  a  chuireadh  as  i  uile  gu  leir.  Gheibhinn 
a  h-uile  duine  anns  an  t-saoghal  os  cionn  da 
fhichead  bliadhna  air  mo  thaobh,  ach  tha  eagal 
orm  nach  leanadh  an  oigridh  mi,  oir  is  coma 
leo-san  ciod  an  taobh  as  a  bheil  a'  ghaoth  a' 
tighinn,  o'n  iar  no  o'n  ear.  B'  fhearr  leo-san 
ceannard  air  chor-eigin  eile  a  leantuinn,  a 
rachadh  romhpa  air  ghaisge. 

As  gach  taobh  an  seid  a'  ghaoth 
Is  caomh  leani  fhein  o'n  iar  i 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Ollamh  W.  P.  Paterson 

LE  bas  an  duine  ghaolaich  so  chaill  eaglais  na 
h-Alba  andiadhair  a  b'  ainmeile  a  bha  againn 
anns  a'  ghineal  so  ;  sgoilear  barraichte,  fear- 
teagaisg  maith,  agus  duine  cho  iriosal  's  a  bha 
riamh  's  an  eaglais.  Bha  e  air  a  chumadh  ann 
am  moUdair  dha  fhein,  agus  ge  b'e  aite  anns  an 
suidheadh  e,  b'e  sin  an  t-aite  ris  an  tionndadh 
a  h-uile  siiil.  Bha  gathan  soluis  'na  inntinn 
agus  salann   'n  a  labhairt  nach  robh  ann  an 


inntinn  no  ann  an  labhairt  neach  eile  an  Albainn, 
air  chor  agus  gu'n  tigeadh  aoibh  air  aodainn  an 
luchd-eisdeachd  'nuair  a  dh'  eireadh  e  a'  labh- 
airt, CO  dhiu  a  bhiodh  e  a'  labhairt  anns  an 
Ard-Sheanadh,  no  anns  an  Oilthigh,  no  aig 
cruinneachadh-mor  ann  an  Talla-baile.  Bha 
inntinn  aige  gu  nadurra  anns  an  robh  talamh 
domhain  agus  reamhar  ;  fad  uile  laithean  a 
bheatha  bha  e  a'  cur  siol  maith  innte,  is  dh' 
fhas  an  siol  sin  agus  dh'  abuich  e  gu  toradh 


8 


AIG  AN  UINNEIG— LAOIDH 


trom.  Bha  aite  dha  fhein  aig  W.  P.  Paterson 
anns  an  eaglais  agus  ami  an  cridheachan  mhinis- 
tearan  ;  bha  nieas  agus  gaol  againn  uile  air 
nach  robh  againn  air  gin  eile  a  dh'  aithrichean 
na  h-eaglais,  ach  cha  d'  fhuair  e  meas  no  gradh 
nach  do  Ian  thoill  e.  Bha  e  ainmeil  mar  sgoilear 
agus  mar  dhiadhair,  mar  shearmonaiche  agus 
mar  fhear-labhairt,  ach  na  b'  fhearr  na  sin  air 
fad,  bha  e  cho  iriosal  agus  simplidh  'na  dhoigh- 
ean  ris  na  paisdean.  Tha  mi  an  diiil  gu'n  cuala 
mi  a  h-uile  sgoilear  no  diadhair  a  bha  ann  an 
Albainn  anns  a'  ghineal  so  a'  bruidhinn,  uair 
no  uaireigin,  ach  rachainn  na  b'  fhaide  a  dh' 
eisdeachd  W.  P.  Paterson  na  rachainn  a  dh' 
eisdeachd  gin  dhiubh,  a  chionn  gu  robh  coinneal 
'n  a  inntinn  agus  lasag  bheo  'na  anam  nach 
fhaicear  ach  annamh  anns  an  t-saoghal  so.  Tha 
fhios  agam  gu  maith  gu'n  teid  obair  na  h-eaglais 
air  a  h-aghaidh  as  aonais,  ach  air  a  shon  sin 
saoilidh  mi  nach  fhiach  dhomh  dol  do'n  Ard- 
Sheanadh  tuilleadh,  agus  gun  esan  ann. 

Obair  mhaith 

Do  dhuine  air  bith  aig  a  bheil  meas  air  ealain 
is  grinneas  tha  e  'n  a  thoileachadh  mor  obair 
mhaith  a  mholadh.  Sin  an  t-aobhar  gu'm  bu 
mhaith  leam  aire  mo  luchd-diithcha  a  tharruing 


gu  leabhar  iir  a  thainig  a  mach  o  chionn  ghoirid, 
bardachd  Iain  Mhic  Codrum,  air  a  dheasachadh 
agus  air  a  chur  an  ordugh  le  sgoilear  bg,  Uilleam 
Mac  Mhathain,  M.A. 

Chan  'eil  mi  a'  dol  a  radh  dad  mu  bhardachd 
Iain  Mhic  Codrum  ;  seasaidh  ise  i  fhein  an  aite 
air  bith  an  cuirear  i,  ach  a  thaobh  saothair 
Uilleam  Mhic  Mhathain  anns  an  leabhar  so, 
their  mi  gu'n  do  rinn  e  obair  a  tha  snasmhor 
agus  fiachail,  obair  air  a  bheil  dreach  na  sgoil- 
earachd  agus  na  ceille.  Agus  ciod  an  cliii  as 
airde  na  sin  ? 

Tha  iomadh  la  o  nach  do  laimhsaich  mi 
leabhar  Gaidhlig  a  thug  uiread  toileachaidh 
dhomh  's  a  thug  an  leabhar  so  ;  na'n  robh  Iain 
Mac  Codrum  beo,  bhiodh  e  mor  as  fhein  a 
bhardachd  fhaicinn  ann  an  deise  cho  riomhach. 

Bu  mhaith  do  sgoilearan  oga  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  an  leabhar  so  a  leughadh  gu  ciiramach, 
chum  's  gu'm  faiceadh  iad  ciamar  is  coir  dhaibh 
dol  an  caraibh  oibre  de'n  t-seorsa  so.  Tha 
ealain  an  fhior  fhir-ceairde  air  lamh  Uilleam 
Mhic  Mhathain  ;  leis  a'  cheud  bhuille  bhuail  e 
an  tai'rang  air  a  ceann.  Eadar  e  fhein  agus 
muinntir  a'  chlodh,  thugadh  dhuinn  leabhar 
cho  gasda  anns  gach  doigh  's  a  laimhsich  mi 
riamh. 


Laoidh 


Le  Gilleasbuig  Domhnullach,  Ceann-a-Bhaigh,  an  Uidhist 


OMOLAM,  molam  losa, 
Mo  Shlanuighear  ro  chaomh  ; 
O  molam  E  gu  sioiTuidh, 
'S  e  choisinn  dhomhsa  saors' 
Bho'm  pheacaidhean  bha  lionmhor, 
'S  bho'm  chionta  bha  cho  mor, 
Car  son  nach  mol  mi  losa 
'S  nach  tugainn  dhasan  gloir  ! 

Bha  mi  aig  am  a'  smaointinn 
Gu'n  saoradh  m'  oibribh  mi, 
Cha  robh  an  sin  ach  faoineas 
'S  cha  d'fhuair  mi  fois  no  sith. 
Thug  Dia  dhomh  solus  tearnaidh, 
Mo  Shlanuighear  's  mo  Righ, 
Gu'n  cheannaich  E  dhomh  slainte 
Le  bhas  air  Calbhari. 

Ma  tha  thu  sgith  le  saothair 
'S  le  d'uallaichean  gun  fheum, 
Cuir  bhuait  an  obair  f  haoin  sin 
'S  iarr  seoladh  spiorad  Dhe  ; 
Bheir  E  dhuit  eolas  aoibhneach 
Mar  chriochnaich  Criosd  gach  ni 
Le  fhulangas  'na  d'  aite 
Is  ffheibh  thu  fois  is  sith. 


Nach  ann  an  sud  bha  'n  t-ionghnadh, 
Gu'n  tainig  Dia  'san  fheoil  ! 
Is  ghabh  air  fein  ar  nadur, 
Ar  n-amhgharan  's  ar  leon, 
A  choimhlionadh  a'  gheallaidh 
Thug  E  do  dh'  Adhamh  fein, 
Gu'n  spionadh  E  bho  'n  namhaid 
An  aireamh  bh'  anns  an  reite. 

O  thig  a  dh'  ionnsuidh  losa 

'S  na  dean-sa  maill  no  dail, 

Mu'n  tig  am  bas  'g  adiarraidh 

'S  gu'n  caill  thu  la  na  slaint'  ; 

Tha  'n  t-siorruidheachd  neo-chriochnach, 

Tha  Dia  Ian  iochd  is  graidh, 

Do'n  dream  a  ghabh  ri  losa 

'S  cha  diult  E  dhaibh  a  ghras. 

Bidh  iad  air  uairean  iosal 
Fo  innleachdan  's  fo  bhuaidh 
An  spioraid  neoghlan  truaillidh 
Dh'  fhag  an  saoghal  cho  truagh, 
Ach  buidheachas  do'n  Ard-Righ, 
Tha  iocshlaint  ann  bho  shuas, 
'S  'nuair  liibas  iad  an  gluin  ris 
Gu'n  teich  an  namhaid  bhuap'. 


Aireamh  3 


939 


Herod  agus  Eoin  a'  Bhaistidh 

"  Bka  eagal  Eoin  air  Herod,  air  dhajios  a  bhi  aige  gu'm  bu  duine  ceart  agus  naomh  e,  agus  ^nuair  a  chual 
e  e  rinn  e  mdran  de  nithean  air  a  chomhairle,  agus  dh"  eisd  e  ris  gu  toileach." — Marc  vi.  20. 


NACH  b'  fhada  o  cheile  an  dithis  ud !  fada 
o  cheile  ann  an  sealladh  dhaoine,  ach  na  b' 
fhaide  o  cheile  ann  an  sealladh  Chriosd. 

Cha  robh  ann  an  Eoin  a'  Bhaistidh  ach  duine 
bochd  ;  duine  gun  fhonn,  gun  fhearann,  gun 
airgiod  ;  ach  bha  e  saoibhir  a  thaobh  Dhe,  is 
thubhairt  Criosd  uime,  nach  do  rugadh  le 
ninaoi  neach  a  bu  mho  na  Eoin. 

Bha  Herod  'n  a  dhuine  mor,  agus  o  dhaoine 
mora  ;  bha  fonn,  is  fearann,  is  beartas  aige,  ach 
thubhairt  Criosd  nach  robh  ann  ach  an  sionnach. 
Agus  cha  mholadh  air  duine  air  bith  "  sionnach  " 
no  "  madadh-ruadh  "  a  radh  ris. 

Ged  a  b'  fhada  o  cheile  an  dithis  so,  cho  fada 
's  nach  b'  ann  anns  an  aon  t-saoghal  a  bha  iad 
a'  gluasad,  bha  meas  aig  Herod  'n  a  chridhe  air 
Eoin,  oir  bha  fhios  aige  gu  maith  gu'm  bu  duine 
le  Dia  e,  is  bhiodh  e  a'  dol  'g  a  eisdeachd  a' 
searmonachadh.  Chan  e  a  mhain  gu'm  biodh 
e  a'  dol  'g  a  eisdeachd,  ach  bhiodh  Facal  an 
Tighearn  a  bha  Eoin  a'  labhairt  a'  druidheadh 
air,  oir  rinn  e  mdran  de  nithihh  air  a  chomhairle, 
agus  dh'  eisd  e  ris  gu  toileach.  Ach  cha  robh  ann 
an  cridhe  Heroid  ach  fearann  creagach  ;  ged 
a  ghabhadh  e  ris  an  t-siol  mhaith  le  gairdeachas, 
cha  robh  an  siol  a'  freumhachadh  ann  gu  ceart, 
is  dhichuimhnicheadh  e  gu  luath  na  boidean  a 
dh'  ioc  e  do  Dia  fo  shearmonachadh  Eoin. 

Am  Facal  Beo 

Tha  cumhachd  ann  am  Facal  an  Tighearna 
nach  'eil  ann  am  facal  dhaoine.  Ciod  air  bith 
a  their  daoine  eile,  tha  mise  a'  creidsinn  le  m' 
uile  chridhe  gur  e  aon  de  na  h-aobharan  air 
an  eaglais  a  bhi  cho  diblidh  anfhann  's  a  tha 
i,  nach  'eil  i  ag  uisneachadh  gu  ceart  na  meadh- 
onan  dligheach  a  thug  Dia  dhith  air  son  a 
h-oibre  anns  an  t-saoghal,  Fhacal  fein  agus 
iirnuigh,  an  da  mheadhon-grais  leis  an  robh  an 
Spiorad  Naomh  riamh  ag  oibreachadh.  Is  e 
Facal  Dhe  claidheamh  an  Spioraid. 

Chuala  mi  o  chionn  ghoirid  searmon  gun 
uiread  agus  ceann-teagaisg,  gun  aon  lide  ann 
de  litir  an  Sgriobtuir,  no  eadhon  gu  robh  a 
leithid  de  leabhar  agus  am  Biobull  ann.  Tha 
an  seorsa  searmonachaidh  so  a'  fas  ro  chumanta 
an  diugh  air  feadh  na  duthcha  uile,  ach  chan 
ann  le  seanchas  no  le  beachdan  dhaoine, 
air  cho  pongail  no  cho  ciallach  's  'g  am  bi 
iad,  a  bhriseas  Dia  sios  na  nithean  a  tha  'g 
an    ardachadh    fein    an    aghaidh    a   rioghachd 


ach  le  Fhacal  fein.  "  C  aite  a  bheil  an  duine 
glic  }  C  aite  a  bheil  an  sgriobhaiche  ?  C 
aite  a  bheil  deasboir  an  t-saoghail  so  ?  Nach 
do  rinn  Dia  gliocas  an  t-saoghail  so  amaideach  ? 
'N  uair  nach  b'  aithne  do'n  t-saoghal,  tre 
ghliocas,  Dia,  bu  toil  le  Dia  le  amaideachd  an 
t-searmonachaidh  iadsan  a  thearnadh  a  tha  a' 
creidsinn." 

Chan  urrainn  searmonaiche  Facal  Dhe  a 
laimhseachadh  no  roinn  gu  cothromach  gun 
reusonachadh  ri  daoine  mu  fhireantachd,  agus 
mu  pheacadh,  agus  nau'n  bhreitheanas  ;  rud 
a  rinn  Eoin  a'  Bhaistidh  an  uair  a  thubhairt  e 
ri  Herod  nach  robh  e  ceadaichte  dha  bean  a 
bhrathar  a  bhi  aige.  Air  cho  cruaidh  's  'g  am 
bi  cridhe  a'  pheacaich,  no  air  cho  maol  's  'g 
am  bi  a  choguis,  bioraidh  an  fhirinn  iad. 

Droch  bhoirionnach 

Ach  ged  a  bhean  an  fhirinn  ri  coguis  Heroid, 
chuir  a  bhean  Herodias  roimhpe  Eoin  a  chur 
as  an  rathad,  oir  bha  ardan  oirre  gu'n  gabhadh 
a  leithid-san  air  fein  ise  a  chronachadh.  Tha 
ardan  mnatha  uaibhrich  cho  neo-iochdmhor 
ris  an  uaigh. 

Na'n  robh  Herod  'n  a  dhuine  glic  no  'n  a 
dhuine  diadhaidh  dh'  fhaodadh  e  co-ainm  a 
la-breith  a  chumail  ann  an  doigh  a  b'  fhearr  na 
'n  doigh  anns  an  do  ghleidh  e  e.  Ach  cha  robh 
Herod  'n  a  dhuine  glic,  is  idir  idir  cha  robh  e 
'n  a  dhuine  diadhaidh,  agus  mar  sin  rinn  e 
cuirm  mhor  do  uaislean  agus  do  mhaithean 
Ghalile,  cuirm  aig  an  robh  droch  dheireadh. 
Feumaidh  gu'n  deachaidh  a  cheann  air  aimhreit 
leis  an  fhion  agus  leis  a'  ghleadhraich,  oir 
mhionnaich  e  d'a  dhalta-nighinn,  a  rinn  dann- 
sadh  mosach  beag-narach  air  a  bheulaibh,  gu'n 
tugadh  e  dhi  ni  air  bith  a  dh'  iarradh  i  air,  gu 
leth  a  rioghachd.  Thubhairt  a  mathair  rithe, 
"  larr  ceann  Eoin  a'  Bhaistidh."  Ach  cha  ruig 
mi  leas  an  corr  innseadh  ;  tha  an  naidheachd 
oillteil  a'  criochnachadh  anns  an  doigh  chiiiin 
shamhach  sin  anns  a  bheil  am  Biobull  daonnan 
a'  cur  nithean  mora  fa'r  comhair  ;  "an  uair 
a  chuala  deisciobuil  Eoin  sin,  thainig  iad  agus 
thog  iad  a  chorp  agus  chuir  iad  ann  an  uaigh  e." 
Sin  agad  an  rud  ris  an  abrar  "  gun  ghuth  mor 
no  droch  fhacal,"  agus  sin  agad  an  doigh 
anns  a  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh  air  a  sgriobh- 
adh.  Anns  an  Tiomnadh  Nuadh  chan  'eil 
eadhon  naidheachd  a'  Cheusaidh  air  a  h-inn- 


2 


HEROD  AGUS  EOIN  A'  BHAISTIDH— CIOD  E  AN  SOISGEUL? 


seadh  le  teas  no  le  ochanaich  ;  chan  'eil  droch 
fhacal  air  a  radh  eadhon  mu  ludas,  is  cha  mho 
a  tha  faireachduinean  an  luchd-leughaidh  air 
an  riasladh  le  cainnt  laidir  ;  tha  na  soisgeul- 
aichean  ag  innseadh  gu  ciiiin  samhach  ciod 
a  thachair,  agus  a'  leigeil  leis  na  nithean  a 
thachair  an  teachdaireachd  fein  a  liubhairt  do 
gach  neach  a  leughas  no  chluinneas. 

Fuaim  duilleig 

Tha  an  sean-fhacal  ag  radh,  "  Dean  an  t-olc 
is  fan  ri  dheireadh  "  ;  rinn  Herod  gu  h-olc,  is 
b'e  bu  deireadh  dha  gu  robh  Eoin  a'  Bhaistidh 
a'  tighinn  eadar  e  's  a  chadal  ;  bha  amharus 
aige  gu  robh  e  a'  tighinn  air  ais.  An  uair  a 
chuala  e  gu  robh  cuid  de'n  t-sluagh  an  diiil  gur 
e  aon  de  na  seann  f  haidhean  a  bha  ann  an  Criosd, 
thubhairt  e,  "  Is  e  Eoin  a  tha  ann,  d'  an  do  chuir 
mise  an  ceann  ;  tha  e  air  eirigh  o  na  mairbh." 
Is  gealtach  fear  na  droch  choguis 

"  Tha  pian  's  an  eagal."- — 1  Eoin  iv.  18. 

"  Teichidh  an  t-aingidh,  gun  neach  a  bhi  an  tbir 
air." — Gnath-fhacail  xxviii.  1. 

"  Cuiridh  fuaim  duilleig  air  chrith  air  theicheadh 
lad." — Levit.  xxvi.  36. 

"  Tha  na  h-aingidh  cosmhuilris  a'  mhuir  hhuairte 
nach  h-urrain7i  a  bhi  aigfois." — Isaiah  Ivii.  20. 

An  Fhirinn 

(1)  Faodaidh  eagal  agus  uamhunn  a  bhi  air 
duine,  ach  gun  aithreachas  a  dheanamh.  Chan 
e  mhain  gu'm  faca  Herod  Eoin  a'  Bhaistidh  ach 
chunnaic  e  Slanuighear  an  t-saoghail  cuideachd, 
ach  ged  a  b'  aithne  dha  an  Solus,  ghradhaich 
e  an  dorchadas,  a  chionn  gu  robh  a  ghniomharan 
olc,  is  air  a'  cheann  mu  dheireadh  chaidh  e  d'a 
aite  fein,  ciod  air  bith  aite  a  chuir  ar  n-Athair 
naomh  agus  trocaireach  a  mach  dha. 

(2)  Ma  rinn  Herod  eucoir  air  Eoin,  rinn  e 
cron  bu  mho  air  fein.  Sin  mar  a  tha  a'  tachairt 
daonnan.  Chan  fhiach  an  cron  as  urrainn 
daoine  eile  a  dheanamh  oirnn  a  bhi  a'  bruidhinn 
air,  an  coimeas  ris  a'  chron  a  ni  sinn  air  ar  n- 
anam  fein. 

(3)  Shaoil  Herodias  gu'n  cuireadh  i  as  an 
t-sealladh  nithean  a  bu  mhaith  leatha  a  bhi  as 
an  t-sealladh,  leis  a'  cheann  a  thoirt  bharr  Eoin. 
Ach  cha  ghabh  an  Fhirinn  tiodhlacadh  no 
foluch.  Mar  tha  Pol  ag  radh,  "  Chan  urrainn 
sinn  ni  air  bith  a  dheanamh  an  aghaidh  na 
firinn,  ach  air  son  na  firinn."     Aon  uair  dh' 


fheuch  an  saoghal  ris  an  Fhirinn  a  chur  fo'n 
talamh,  is  chuir  iad  luchd-faire  air  an  uaigh, 
ach  thainig  an  Fhirinn  a  mach  le  buaidh,  le 
cumhachd  na  beatha  shiorruidh  a  tha  innte. 
Thig  agus  falbhaidh  clann-daoine  ;  eiridh  agus 
tuitidh  rioghachdan  ;  siiibhlaidh  aon  ghinealach 
is  thig  ginealach  eile  na  h-aite,  ach  smuain,  no 
beachd,  no  eolas,  anns  a  bheil  firinn,  cha  searg 
iad  gu  brath  ;  bithidh  iad  cho  maireannach  ri 
righ-chaithir  Ichobhah. 

(4)  Bu  mho  an  t-olc  a  rinn  Herod  leis  a' 
bhoid  a  thug  e  do'n  bhan-dannsair  a  chumail  na 
dheanadh  e  le  dol  an  cois  a'  gheallaidh.  Chaidh 
e  cearr  ann  am  breitheanas,  ach  ged  dh' 
f  heuchadh  e  ri  chur  mar  f  hiachaibh  air  fein  nach 
faodadh  e  mar  dhuin-uasal  dol  an  cois  fhacail, 
tha  raise  cinnteach,  o'n  eolas  a  tha  agam  air  mo 
chridhe  cealgach  fein  agus  air  cridheachan 
dhaoine  eile,  nach  e  a  mhionnan  a  thug  air  a 
ghealladh  a  chumail,  ach  eagal  roimh  na  com- 
panaich  a  bha  'n  an  suidhe  cbmhla  ris,  agus  a  chual 
e  a'  toirt  dhi  a'  gheallaidh.  Ma  gheall  duine 
rud  olc  no  peacach  a  dheanamh,  chan  'eil  e 
cearr  dha  an  gealladh  sin  a  bhriseadh.  Ma 
shaoileas  e  gu  bheil,  is  e  an  t-aobhar  gu'n  do 
chuir  olcas  a  chridhe  agus  a  dheanadais  sgleo 
air  a  choguis.  Tha  am  peacadh  a'  deanamh 
sin  daonnan  ;  a  h-uile  ceum  a  ghabhas  tu  anns 
a'  pheacadh  theid  thu  na's  doimhne  agus  na's 
doimhne  anns  an  lathaich.  Chan  ionghnadh 
idir  ged  a  thubhairt  an  Salmadair  uime  ' '  slochd 
uamhuinn  "  agus  "  clabar  lathaich." 

(5)  Tha  e  mar  fhiachaibh  air  duine  seasamh 
ri  ghealladh  ged  bheireadh  sin  calldachd 
shaoghalta  air.  Sin  aon  de  chomharraidhean 
an  duine  dhiadhaidh,  a  reir  na  coigeamh  salm 
deug,  "  a  mhionnaicheas  chum  a  challdachd 
fein,  agus  nach  atharraich."  Co  ris  a  theireadh 
tu  "  duine  maith  ?  "  Nach  abradh  tu  "  duine 
maith  "  ris  an  duine  so  : 

An  ti  a  ghluais  gu  treibhdhireach, 

Is  ionracas  a  chleachd, 
Labhras  an  fhirinn  sin  a  mach 

A  ta  'na  chridhe  steach. 

An  ti  nach  dean  air  neach  air  bith, 
Ciil-chaineadh  'm  feasd  le  bheul, 

Nach  dean  aon  lochd  d'a  choimhearsnach, 
'S  nach  tog  air  fos  droch  sgeul. 

A  ni  trom-thailceas  air  an  daoi ; 

Ach  urram  dhaibh  a  bheir 
D'an  eagal  Dia,  's  nach  caochail  mionn 

Ged  thigeadh  calldachd  air. 


Ciod  e  an  Soisgeul  ? 


ANNS  an  aireanih  mu  dheireadh  fhreagair 
-Ll-triuir  mhinistearan  a'  cheist  a  bha  air  a  cur 
thugam  le  "  duine  gun  ainm  "  ;  aon  a  Siorr- 
amachd  Rois  ;    aon  a  lonar-nis  ;    agus   aon  a 


Earra-Ghaidheal.  Anns  an  aireamh  so  tha  i 
ri  bhi  air  a  freagairt  le  dithis  mhinistearan  an 
Glaschu,  air  a  bheil  luchd-leughaidh  nan  duill- 
eagan  so  gu  maith  eolach  : 


CIOD  E  AN  SOISGEUL? 


3 


An    t-Urramach    Tonias    M.    Mac   Calmain,    M.A. 

Eaglais  Chaluim-cille,  an  Govan. 
An  t-Urramach  Iain  Mac  Aoidh,  M.A.,  Eaglais  Iain 

Knox,  an  Glaschu. 


(Le  Tomas  M.  Mac  Calmain,  M.A.) 

Tha  am  facal  soisgeid  air  a  chleachdadh  anns 
an  Tiomnadh  Nuadh  ann  an  tri  seaghan  co  dhiu. 
Tha  e  a'  ciallachadh  (1)  eachdraidh  Chriosd, 
agus  (2)  teagasg  Chriosd,  agus  (3)  fiosrachadh 
nan  creidmheach  air  eifeachd  agus  beannachd 
Chriosd  'n  an  anam.  Tha  na  tri  seaghan  sin 
an  dainih  ri  cheile,  agus  tha  an  soisgeul  anns 
gach  seagh  agus  innleachd  na  slainte  gu  leir  air 
an  sumadh  suas  's  an  earrann  mhoir  so  :  "Is 
ann  mar  sin  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n 
tug  e  aon-ghin  Mhic  fein,  chum  as  ge  b'e  neach 
a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e,  ach  gu'm  bi  a' 
bheatha  shiorruidh  aige  "  (Eoin  iii.  16).  Tha 
da  fhirinn  shonraichte  an  sin — (1)  Tha  na  h-uile 
feumach  a  bhi  air  an  saoradh  o  chionta,  agus 
o  chumhachd,  agus  o  pheanas  a'  pheacaidh, 
agus  (2)  chan  'eil  saoradh  ann  ach  a  mhain  tre 
chreideamh  ann  an  losa  Criosd.  A  dh'aindeoin 
atharrachadh  bheachdan  agus  dhoighean-labh- 
airt  o  Hnn  gu  Unn,  tha  an  da  fhirinn  sin  gun 
atharrachadh  agus  gun  aicheadh.  Chan  'eil 
slainte  ann  an  cuspair  sam  bith  eile,  agus 
cionnus  a  theid  sinn  as  ma  ni  sinn  dimeas  air 
slainte  cho  mor  ? 

Cha  ghabh  eadar-dhealachadh  a  chur  eadar 
losa  am  fear-teagaisg,  agus  Criosd  air  a  cheus- 
adh,  agus  Criosd  a  tha  beo  gu  siorruidh.  Is 
iad  sin  an  t-aon  Phearsa  Ghlormhor,  losa  Criosd 
an  de  agus  an  diugh  agus  gu  siorruidh  an  ti 
ceudna.  'S  ann  ris  an  lan-Chriosd  ann  an  uile 
ghloir  a  Phearsa,  agus  uile  eifeachd  oibre  a  tha 
ar  gnothach.  Na  bi  cur  dealachaidh  eadar  an 
obair  chriochnaichte  agus  an  Ti  a  chriochnaich 
an  obair. 

Ciamar  a  nis  a  ni  thu  gnothach  ris  an  Fhear- 
shaoraidh  ?  Nach  e  so  brigh  do  litreach — 
"  Ciod  a  ni  mi  chum  's  gu'n  tearnar  mi  ?  " 
"  Creid  anns  an  Tighearna  losa  Criosd  agus 
tearnar  thu."  Tha  da  sheorsa  creidimh  ann, 
creideamh  inntinne  agus  creideamh  cridhe. 
Tha  feum  air  an  da  sheorsa,  ach  is  e  creideamh 
cridhe  (no  earbsa)  a  mhain  an  creideamh  slaint- 
eil.  Tha  creideamh  inntinne  leis  fhein  gun 
mhath,  ach  chan  urrainn  creideamh  cridhe  a 
bhi  ann  mur  am  bi  creideamh  inntinne  ann  cuid- 
eachd.  "  Is  eigin  do'n  ti  a  thig  a  dh'ionnsaidh 
Dhe  a  chreidsinn  gu'm  bheil  e  ann  agus  gur  e 
an  Ti  a  bheir  duais  do'n  dream  a  dh'iarras  e 
gu  dichiollach."  Ach  ged  a  bhitheadh  tu  fad 
do  bheatha  a'  creidsinn  gu'm  bheil  Dia  ann,  cha 
shaoradh  sin  thu  mur  cuireadh  tu  t'  earbsa 
ann  tre  Chriosd.  Tha  moran  cheistean  ann  air 
nach  fhaigh  sinn  solus  anns  a'  bheatha  so  co 
dhiu,  ach  buidheachas  do  Dhia  chan  ann  tre 


eolas  a  tha  sinn  air  ar  saoradh  ach  tre  ghras  ; 
agus  is  e  creideamh-cridhe  (no  earbsa)  co- 
fhreagairt  ar  cridheachan  do'n  ghras  a  dh'fhoill- 
sicheadh  dhuinn  ann  am  pearsa  agus  obair 
Chriosd. 

Cha  chreid  mi,  a  charaid,  gu'n  gabh  thu 
gu  h-olc  e  ma  their  mi  so  :  "  Am  miann  leat 
a  bhi  air  do  dheanamh  slan  ?  "  B'e  sin  ceist 
Chriosd  ris  an  duine  euslan  aig  lochan  Bhetesda. 
Bha  am  fear  sin  ochd  bliadhna  deug  thar 
fhichead  ann  an  euslaint,  agus  fad  na  h-iiine 
bha  meadhon-leighis  fa  chomhair.  Saoilidh 
mi  gu'n  robh  da  lethsgeul  aige,  lethsgeulan  a 
chluinnear  trie  aig  daoine  a  tha  uine  mhor  fo 
eisdeachd  na  firinn  agus  Facal  Dhe  fan  comh- 
air,  agus  iad  f hathast  gun  a  bhi  air  an  saoradh. 
Chan'eil  Dia  a'  cur  an  uisge  troimh  cheile 
trie  gu  leoir,  agus  ged  a  bhitheadh  an  t-uisge 
air  a  chuir  troimh  cheile  chan'eil  daoine  eile  'g 
an  cuideachadh  a  steach  do'n  mheadhon-leighis. 
Ma  tha  neach  fhathast  gun  slainte  'n  a  spiorad, 
na  bitheadh  e  a'  cur  coire  air  Dis,  no  air  daoine 
eile,  agus  a'  gearan  nach  d'fhuair  e  cothrom 
riamh.  Cluinneamaid  Criosd  ag  radh  mar  so  : 
"  Chan  e  cion-cothroim  a  tha  ort,  a  dhuine,  ach 
cion-toil  ;  am  miann  leat  a  bhi  air  do  dheanamh 
slan  ?  " 

Facal  's  an  dealachadh.  Is  e  an  crann- 
ceusaidh  air  a  chrimadh  le  gloir  na  h-aiseirigh 
teas-meadhon  innleachd  na  slainte,  ach  tha 
caochladh  dhoighean  agus  caochladh  f  hiosrach- 
aidhean  tre  am  bheil  daoine  a'  ruigheachd 
Chalbhari.  Air  mo  shon  fhein,  cha  chuimhne 
leam  am  'n  am  bheatha  anns  nach  robh  buaidh 
aig  teagasg  Chriosd  orm,  agus  anns  nach  robh 
tlachd  agam  ann  an  losa  o  Nasaret,  ach  cha 
d'rinn  sinreidh  ri  Dia  mi,  's  cha  tug  e  sith  dhomh. 
Bha  agam  ri  dhol  fad  na  slighe  le  Criosd  agus 
mi  fhein  earbsa  ris  gu  h-iomlan.  Cha  thuig 
mise,  no  duine  eile,  gu  brath  diomhaireachd  na 
reite,  ach  is  aithne  dhomh  eifeachd  Chriosd  mar 
an  Ti  a  tha  'g  ar  deanamh  reidh  ri  Dia.  Ged 
a  dh'fhaodas  tu  a  bhi  ann  an  ceo,  a  charaid, 
nach  aidich  thu  gu'm  bheil  beagan  soluis  agad  ? 
Bi  umhail  do'n  bheagan  soluis  a  tha  an  sin,  agus 
gabh  an  ath-cheum  a  tha  e  a'  nochdadh  dhuit, 
agus  chan  eagal  duit. 


(Le  Iain  Mac  Aoidh,  M.A.) 

Ciod  e  an  soisgeul  ?  Cha  tu  a'  cheud  fhear, 
no  am  fear  mu  dheireadh,  air  an  robh 
agus  air  am  bi  so  'n  a  cheist.  Cha  mho 
a  tha  e  furasda  freagairt  a  thoirt  ann  am 
beagan  bhriathran  do  cheist  cho  mor.  "Tha 
an  t-eolas  so  ro  iongantach,  agus  tha  e  cruaidh 
ormsa  ;  cha  ruig  mi  air,  oir  tha  e  ard  r'a  thuig- 
sinn."  Tha  e  coltach  gur  e  eolas  mu  Dhia  a 
chuir  uiread  de.dh'  iongantas  air  an  t-salmadair, 
agus  anns  an  t-seagh  as  fharsuinge,  's  e  sin  an 


CIOD  E  AN  SOISGEUL  ?— ANNS  A'  CHATHAIR 


soisgeul,  eolas  mu  Dhia,  ach  mar  tha  sinn  a' 
gabhail  an  fhocaii  ann  an  latha  an  Tiomnaidh 
Nuaidh,  's  e  gu  h-araidh  eolas  mu  Dhia  mar 
tha  E  air  fhoillseachadh  ann  an  losa  Criosd  a 
tha  am  focal  "  Soisgeul  "  a'  cur  far  comhair. 
"  Dhuibhse  "  arsa  Criosd  "  dh'  fhoillsicheadh 
rim-diomhair  rioghachd  Dhe."  Chan  'eil  teag- 
amh  nach  fhaod  sinn  a  bhi  a'  deanamh  an 
t-soisgeil  na's  diomhaire  na  tha  e,  mar  tha 
daoine  gu  trie  a'  deanamh,  agus  is  e  sin  a  tha 
fagail  moran  dhaoine  gun  aideachadh,  ged 
nach  'eil  iad  idir  gun  chrabhadh.  Tha  Criosd 
ag  radh  "  Is  ann  mar  so  a  ghradhaich  Dia  an 
saoghal,  gu'n  tug  E  aon-ghin  Mhic  fein  chum  's 
ge  b'e  neach  a  chreideas  ann  nach  sgriosar  e 
ach  gu'm  bi  a'  bheatha  shiorrmdh  aige."  Sin 
fad  agus  leud  agus  doimhne  agus  airde  graidh 
Dhe,  gradh  mor,  tiodhlac  (no  iobairt)  mhor, 
ciimhnant  mor,  agus  crioch  mhor.  "  Is  radh 
fior  so,"  arsa  Pol,  "  gu'n  d'  thainig  losa  Criosd 
do'n  t-saoghal  a  thearnadh  pheacach,  d'  am 
mise  an  ceud  fhear."  "  Chuir  mi  romham," 
arsa  esan,  "  gun  eolas  a  ghabhail  air  ni  sam 
bith  'n  ar  measg  ach  losa  Criosd  agus  Esan  air 
a  cheusadh."  The  "  innleachd  "  na  slainte,  air 
an  tug  thu  iomradh  agad  ann  an  sin.  Tha 
lagh  agus  ceartas  Dhe  ann  an  sin.  Feumaidh 
sinn  a  chuimhneachadh  ge  ta,  gu'm  beil  inn- 
leachd na  slainte  na's  aosda  na  an  lagh.  Thug- 
adh  an  lagh  air  son  eusontais  ;  cha  robh  ann 
ach  meadhon  a  chleachd  Dia  air  son  daoine  a 
thoirt  air  ais  gu  bhi  deanamh  a  thoile.  B'e 
an  lagh  ar  n-oide-fhoghlum,  'g  ar  treorachadh 
gu  Criosd.  Tha  an  gealladh  na's  sine  na  an 
lagh.  "  Mus  robh  Abraham  ann  tha  Mise," 
agus  "  ma's  le  Criosd  sibh,  sibh  siol  Abrahaim 
gun  amharus,  agus  is  oighreachan  sibh  a  reir 
a'  Gheallaidh."  Nis,  tha  againn  an  sin  teagasg 
Chriosd  agus  teagasg  nan  abstol  mu  innleachd 
na  slainte,  ach  an  dean  iimhlachd  do  theagasg 
Chriosd  a  mhain,  an  duine  a  thearnadh}  Cha 
dean  idir,  mur  'eil  an  iimhlachd  sin  a'  tighinn 
o  chreideamh  ann  an  iobairt -reitich  Chriosd 
air  son  pheacach.  Cha  bhiodh  ann  an  iimh- 
lachd gun  chreideamh  ach  iimhlachd  laghail 


no  litireil  a  mhain,  agus  marbhaidh  an  litir,  ach 
bheir  an  Spiorad  beatha.  Feumaidh  iimh- 
lachd do  theagasg  Chriosd  a  bhi  ann  gun 
teagamh,  ach  's  e  umhlachd  a  bhios  a'  sruthadh 
o  Spiorad  Chriosd.  Feumaidh  sinn  a  bhi 
umhail  aig  amannan  do  dhaoine  anns  nach  'eil 
earbsa  againn,  agus  do  laghanan  anns  nach 
'eil  sinn  a'  creidsinn,  ach  chan  e  sin  fior  umh- 
lachd. 'S  e  an  iimhlachd  as  airde  iimhlachd 
do  dh'  Aon  anns  am  beil  earbsa  againn,  agus 
gu  sonraichte  do  'm  beil  gradh  againn,  agus  is 
e  sin  an  iimhlachd  a  shaoras  do  bhrigh  's  gu'm 
beil  spiorad  siorruidh  Chriosd  ann.  "  Co  tha 
daoine  ag  radh  is  Mi  ?  "  Bha  am  beachdan 
fein  aig  gach  neach,  Elias,  leremiah,  no  Eoin 
Baiste,  ach  chaidh  Criosd  na  b'  fhaide  na  sin 
leis  a'  cheasnachadh,  agus  dh'  fhiosraich  E 
"  Ach  CO  tha  sibhse  ag  radh  is  Mi  ?  "  "  Is  tu 
Criosd,"  fhreagair  Peadar  "  Mac  an  De  bheo." 
Is  e  sin  earbsa,  agus  far  am  beil  earbsa  bidh 
iimhlachd.  "  Shaor  lagh  spiorad  na  beatha  ann 
an  losa  Criosd  mise  o  lagh  a'  pheacaidh  agus 
a'  bhais."  Tha  am  facal  "  lagh  "  anns  an 
earrainn  so  a'  ciallachadh  "  riaghladh  "  no 
"  lathaireachd."  "  Fhuair  sinne  aithne  Air," 
thuirt  aon  de  na  h-abstoil,  "  agus  chreid  sinn 
an  gradh  a  thug  Dia  dhuinn."  Tha  earbsa  a' 
tighinn  o  eolas.  Is  ann  le  ar  ciall  a  dh'  fheiimas 
sinn  earbsadh  ann  an  Criosd  anns  a'  cheud  aite, 
a  reir  mar  a  threbraicheas  Spiorad  Dhe  sinn,  agus 
thig  dearbhachd  ar  creidimh  an  lorg  sin,  agus 
is  ann  mar  sin  a  thig  fior  iimhlachd  do  theagasg 
Chriosd.  Cha  bhiodh  ann  an  iimhlachd  gun 
earbsa  ach  uallach  agus  eagal,  agus  tha  pian  's 
an  eagal.  Tha  iimhlachd  'na  thoradh  air  fior 
eai'bsa  ann  an  iobairt  Chriosd.  Cha  ghabh  an 
soisgeul  a  bhi  air  a  roinn  ;  tha  iomadh  taobh 
air,  ach  tha  e  fior  gur  e  latha  an  t-soisgeul  do'n 
anam  an  latha  a  dh'earbas  e  ann  an  iobairt- 
reite  Chriosd.  "  Ciod  a  ni  mi  chum  's  gu'm 
bi  mi  air  mo  thearnadh  ?  "  "  Creid  anns  an 
Tighearna  losa  Criosd,  agus  bidh  thu  air  do 
thearnadh."  "  Ma  chreideas  tu,"  thubhairt 
Criosd  ri  duine  roimhe  so,  "  tha  na  h-uile 
nithean  comasach  dhasan  a  chreideas." 


Anns  a'  Chathair 


THA  an  cairdeas  mar  a  chumar  e  ;  ma  tha 
baigh  agus  coibhneas  'n  ad  chridhe  is 
annamh  seachduin  a  theid  seachad  nach  feum 
thu  litir  a  sgriobhadh  gu  caraid  no  ban-charaid 
air  chor-eigin  air  an  tainig  calldachd,  no  aig  a 
bheil  cridhe  goirt.  Tha  cuid  de  dhaoine  ann 
d'a  bheil  e  furasda  an  seorsa  litreach  sin  a 
sgriobhadh,  oir  tha  ealain  aca  gu  nadurra  air 
comhfhurtachd  a  thoirt  d'  am  braithrean  ; 
daoine  d'  an  ainm  gu  dligheach  clann  Bharna- 
bais.  Ach  tha  daoine  eile  ann -d'a  bheil  e  cho 
duilich  litir-chomhfhurtachaidh  a  sgriobhadh  's 


gu'ncuir  iad  dail  anns  a'  ghnothuch,is  theagamh 
gu'n  tig  an  dail  gu  dearmad.  Ach  ma  tha  bron 
ann  an  tigh  do  charaid,  no  ma  thainig  call  no 
driod-fhortan  air,  cuir  thusa  litir-ghaoil  chuige, 
ged  nach  biodh  innte  ach  fichead  facal,  agus  na 
facail  sin  fhein  mabach.  "  A  bhi  'g  an  cuimh- 
neachadh  's  'g  an  ionndrainn,"  sin  fior  chomh- 
araidhean  a'  chairdeis  ;  is  ged  nach  abradh  tu 
ri  d'  charaid  ach  a  mhain  gu  bheil  thu  a'  cuimh- 
neachadh  air  'na  thrioblaid,  is  fhiach  dhuit  sin 
fhein  a  radh.  Agus  ma  dh'  fhaoidte  gu'n  gabh 
an  Spiorad  Naomh  am  builionn  beag  sin,  agus 


ANNS  A'  CHATHAIR 


gu'm  meudaich  agus  gu'm  beannaich  e  e  air 
dhoigh  nach  tuig  thusa  no  mise.  Tha  an  cair- 
deas  mar  a  chumar  e,  agus  is  e  a'  cheud  lagh 
ann  an  riaghailtean  a'  chairdeis  gu'n  ruigeadh 
do  chas  no  do  litir  tigh  do  charaid  ann  an  la  a 
dheuchainn. 

Litir  gu  mathair 
Bha  Abraham  Lincoln,  Ard-Riaghlair 
America,  'n  a  dhuine  mor  agus  'n  a  dhuine 
simplidh  gu  nadurra  ;  uasal  leis  an  u  aisle  sin  a 
gheibhear  daonnan  ann  an  daoine  aig  a  bheil 
oridhe  ionraic  agus  gaolach.  An  am  a'  chogaidh 
a  bha  eadar  na  Staidean  mu  Thuath  agus  na 
Staidean  mu  Dheas  an  America  sgriobh  e  an 
litir  so  le  laimh  fhein  gu  mathair  a  chaill  coig- 
near  mhac. 

"  Tha  fear  de  chomanndairean  an  airm  air 
innseadh  dhomh  gu'n  do  chaill  sibh  coignear 
mhac  anns  a'  chogadh.  Tha  'ur  call-se,  a 
bhean,  cho  mor  agus  cho  goirt  's  nach  biodh 
ann  dhomhsa  ach  faoineas  a  bhi  an  diiil  gu'n 
aotrumaicheadh  briathran  mo  bheoil  leon  'ur 
cridhe-se.  Ach  co  dhiu  bu  mhaith  leam  a 
radh  ribh,  nach  e  a  mhain  gu  bheil  mi  fhein, 
ach  gu  bheil  ar  Tir  agus  ar  Duthaich  uile  fo 
fhiachan  trom  do  na  gillean  agaibh-se  nach 
do  shor  am  beatha  a  thoirt  seachad  air  son 
na  corach.  Gu'n  tugadh  ar  'n  Athair  neamh- 
aidh  clos  do  'ur  cridhe  briste  ;  an  uair  a  bhios 
sibh  a'  cuimhneachadh  agus  ag  ionndrainn 
nan  gillean  gaolach  a  chaill  sibh,  tha  mi  an, 
dochas  gu'n  cuimhnich  sibh  cuideachd  gu 
bheil  aobhar  agaibh  a  bhi  mor  asaibh  fein 
agus  sona  gu'n  do  leag  sibh  tabhartas  agus 
iobairt  cho  luachmhor  air  altair  na  saorsa." 

Cha  bu  duine  briathrach  a  bha  ann  an 
Abraham  Lincoln,  ach  bha  e  'na  dhuine  caomh- 
ail  gu  nadurra,  agus  'na  dhuine  firinneach,  agus 
is  e  sin  an  da  rud  as  feumaile  dhuit  a  bhi  annad 
ma  bu  mhaith  leat  comhfhurtachd  a  thoirt  do 
neach  eile,  firinn  agus  caomhalachd. 

Driop  an  t-saoghail 

Anns  na  laithean  so  tha  sgriobhadh-litrich- 
ean  air  dol  as  an  fhasan ;  tha  driop  an  t-saoghail, 
a'  chairt-phosta,  agus  an  telephon,  air  litrichean 
(anns  an  t-seagh  cheart)  a  chur  as  cho  buileach 
's  a  chuir  iad  as  na  sithichean  cheana.  Ann  an 
litreachas  nan  linntean  a  dh'  fhalbh  chan  'eil 
oisean  idir  as  guirme  no  as  foisneachaile  na  'n 
t-oisean  anns  am  faighear  na  litrichean  a  bha 
air  an  sgriobhadh  le  daoine  aig  an  robh  ealain 
air  seanchas  maith  a  dheanamh  air  paipear.  An 
uair  a  bhios  mi  a'  leughadh  eachdraidh-beatha 
dhaoine  mora  saoilidh  mi  nach  'eil  bias  idir  air 
an  leabhar  mur  bheil  cuid  mhaith  de  "  litrich- 
ean "  ann,  litrichean  nach  robh  air  an  sgriobh- 
adh gu  bhi  air  an  cur  an  clodh,  ach  a  bha  air 
an  sgriobhadh  gu  bhi  air  an  leughadh  le  aon 


duine,  caraid  no  ban-charaid  air  chor-eigin  ris 
am  faodadh  am  fear  a  sgriobh  iad  labhairt  gu 
saor,  mar  a  labhras  tu  ri  caraid  aig  taobh  an 
teine  mu  gach  ni  a  thig  'n  ad  cheann.  Chan  'eil 
iiine  aig  daoine  an  diugh  air  litrichean  de'n 
t-seorsa  sin  a  sgriobhadh ;  chan  ann  a  dheanamh 
seanchais  a  ghlacas  iad  am  peann,  ach  a  dh' 
iarraidh  rud-eigin  a  tha  dhith  orra,  no  a  dh' 
fhoighneachd  ceiste  air  chor-eigin,  is  tha  an 
litir  cho  maol  agus  cho  neo-phearsanta  ri  lit- 
richean a'  bhuinn-a-se  a  bhios  sinn  a'  faotainn 
o  mharsantan.  An  uair  a  leughar  an  seorsa 
so  cuirear  anns  an  teine  iad,  an  rud  a  tha  iad 
a'  toilltinn. 

Beniamin  Franklin 

Anns  an  linn  anns  an  robh  Abraham  Lincoln 
beo  bha  Americanach  eile  ann  aig  an  robh 
ealain  a  b'  fhearr  air  litrichean  a  sgriobhadh  na 
bha  aige-san,  Beniamin  Franklin  ;  duine  ion- 
gantach  ma  bha  e  riamh  ann.  Bha  seachd 
duine  deug  cloinne  aig  a  mhathair  ;  b'  esan  a' 
choigeamh  duine  deug.  Cha  robh  e  ach  da 
bhliadhna  ann  an  sgoil  uile  gu  leir,  agus  aig  da 
bhliadhna  dheug  a  dh'  aois,  chuireadh  a  dh' 
ionnsachadh  ceairde  e,  ach  a  dh'  aindeoin  nach 
d'  f  huair  e  cothrom  'n  a  oige  bha  e  mu  dheireadh 
am  measg  nan  daoine  a  b'  ainmeile  anns  an 
t-saoghal,  agus  cho  comharraichte  ann  an 
rioghachd  an  Eolais  's  gu'n  do  ghabh  ard- 
sgoilearan  Bhreatuinn  a  steache  ann  anComunn 
Rioghail  Lunnainn  m'  an  robh  e  leth-cheud 
bliadhna,  Comunn  nach  fosgail  a  dhorsan  ach 
do  phrionnsachan  an  Eolais.  Chan  e  mhain  gu 
robh  Franklin  'n  a  dhuine  fiosrach,  ach  fhuair 
e  a  mach  iomadh  rud  iir  air  nach  robh  f  hios  idir 
gus  an  d'  fhuair  esan  a  mach  iad  ;  chuir  e 
clachan  lira  ann  an  TeampuU  an  Eolais  a  tha 
dol  suas  troimh  na  linntean. 

Anns  na  deich  leabhraichean  mora  anns  a 
bheil  sgriobhaidhean  an  duine  so  air  an  cruinn- 
eachadh  comhla  gheibhear  a'  chuid  mhor  de 
na  litrichean  a  sgriobh  e,  ach  bu  mhaith  leam 
aon  te  dhiubh  a  chur  sios  air  an  duilleig  so,  litir 
a  sgriobh  e  gu  ban-charaid  an  uair  a  shiubhail 
a  bhrathair,  Iain. 

"  Chaill  sinn  duine  gaolach,  ach  ann  an 
cursa  naduir  feumar  an  corp  basmhor  a  chur 
dhinn  'nuair  a  tha  an  spiorad  a'  dol  a  steach 
do'n  bheatha  a  tha  romhainn.  Chan  'eil  anns 
an  t-saoghal  so  ach  aite-comhnuidh  air  son 
iiine  bhig,  aite-comhnuidh  anns  a  bheil  sinn 
'g  ar  n-uUachadh  air  son  na  fior  bheatha,  is 
faodar  mar  sin  a  radh  nach  'eil  duine  air  a 
bhreith  gu  h-iomlan  gus  am  faigh  e  bas.  Car 
son,  ma  ta,  a  bhitheamaid  a'  caoidh  gu'n 
deachaidh  spiorad  Iain  a  steach  do  chomunn 
sona  nan  daoine  neo-bhasmhor. 

"  Na  ghliocas  agus  'n  a  choibhneas  thug 
Dia  corp  talmhaidh  dhuinn  re  ar  cuairt  anns 
an  t-saoghal  so,  a  chionn  gu  bheil  e  comasach 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


dhuinn  aoibhneas  agus  eolas  fhaotainn  air 
thalamh  tre  bhuadhan  a'  chuirp,  agus  obair 
is  caidreamh  an  t-saoghail  a  chur  air  aghaidh, 
ach  cho  luath  's  a  tha  e  a'  fas  duilich  do'n 
chorp  a  chrioch  araidh  a  choimhlionadh,  cho 
luath  's  a  tha  e  a'  fas  'na  uallach  agus  'na 
dhragh  an  aite  a  bhi  'na  mheadhon  solais,  tha 
Dia  'n  a  ghhocas  agus  'na  choibhneas  a'  toirt 
saorsa  dhuinn  bhuaith  anns  an  doigh  a  dh' 
ullaich  e  fein.  Is  e  an  doigh  sin  am  bas. 
Nach  'eil  sinn  a'  basachadh  ann  an  tomhas  le 
ar  toil  fhein,  iomadh  uair  re  ar  cuairt  air 
thalamh  !  An  lamh  no  a'  chas  a  tha  air  a 
ciiirradh  cho  dona  's  nach  gabh  i  leigheas 
gearraidh  tu  dhiot  i  air  ghaol  do  bheatha  a 
chumail ;  an  fhiacal  anns  a  bheil  goirteas 
dealaichidh  tu  rithe  gu  toileach,  a  chionn  gu 
bheil  am  pian  a'  falbh  leatha. 

"  Tha  sinne  agus  Iain  a'  dol  do  'n  aon  aite, 
ach  bha  esan  deas  romhainne,  is  dh'  fhalbh 
e  an  toiseach.  Chan  'eil  e  comasach  dhuinn 
no  freagarrach  dhuinn  falbh  comhla,  ach  car 
son  a  bhitheamaid  ri  bron,  oir  tha  fhios  againn 
gu'n  lean  sinn  esan,  is  tha  fhios  againn  c' 
aite  am  faigh  sinn  e  ?  " 

Theirinn  gur  e  an  rud  as  fhearr  anns  an  litir 
chaomhail  so,  gu  bheil  smuaintean  innie  a  hheir 
taic  do'n  inntinn.  Tha  inntinn  mhic  an  duine  ag 
iarraidh  sin,  is  theagamh  gur  e  an  t-aobhar  nach 
'eil  daoine  ag  eisdeachd  ris  an  eaglais  an  diugh, 
gu  bheil  an  eaglais  fhein  ann  an  ceo,  agus  nach 
'eil  dad  aice  ri  radh  ris  an  taicich  an  inntinn. 

Ged  nach  buin  diomhaireachd  an  t-saoghail 
eile  do'n  eaglais,  oir  chan  'eil  sin  air  fhoill- 
seachadh  ach  ann  an  tomhas  beag,  buinidh  e 
do'n  eaglais  an  saoghal  eile  a  chumail  an  comh- 
nuidh  an  cuimhne  dhaoine,  agus  buinidh  e  dhi 
labhairt  riu  an  comhnuidh  air  mhodh  spioradail. 
A    reir   m'    fhiosraehaidh    agus    m'    eolais    air 


daoine,  gu  sonruichte  air  ministearan,  agus 
foirbhich,  agus  luchd-comanachaidh,  theirinn 
gu  bheil  cuid  aig  a  bheil  inntinn  spioradail, 
agus  barrachd  aig  nach  'eil  an  inntinn  sin  idir. 
Chan  abrainn  gu  bheil  an  f  headhainn  aig  a  bheil 
an  inntinn  spioradail  nsi's  fhearr  na  each  anns  an 
doigh  anns  a  bheil  an  saoghal  a'  ciallachadh 
duine  maith  (gle  thric  tha  iad  fada  na's  miosa), 
ach  their  migu  bheil  iad  'nan  luchd-treorachaidh 
ann  an  nithean  spioradail  na's  cinntiche  na 
each. 

Tha  an  saoghal  Ian  an  diugh  de  dhaoine 
maith  ;  daoine  ceart,  daoine  ciiiin,  daoine 
iriosal  ;  daoine  coibhneil  a  bheireadh  dhuit  an 
dara  tasdan  a  tha  'n  am  poca,  agus  nach  abradh 
droch  fhacal  no  nach  innseadh  breug  air  son  an 
t-saoghail,  ach  air  a  shon  sin  uile  chan  'eil 
inntinn  spioradail  aca,  agus  cha  bhi  gu  brath. 
Sin  na  daoine  as  toigh  leinn  uile,  agus  as 
toigh  leis  an  t-saoghal  gu  sonruichte,  ach  a 
cheart  cho  luath  's  a  thoisicheas  iad  air 
bruidhinn  air  nithean .  spioradail  tha  e  soilleir 
eadhon  do'n  duine  nadurra  nach  'eil  an  inntinn 
spioradail  aca,  agus  gu  bheil  iad  ann  an  ceo 
coltach  ris  fhein.  Agus  tionndaidh  iad  air 
falbh,  is  siiibhlaidh  iad  shios  is  shuas  ag 
iarraidh  neach  air  chor-eigin  as  urrainn  facal  beo 
a  labhairt  riu  a  chionn  gu  bheil  inntinn  spiora- 
dail aige.  Rud  a  tha  gle  neonach,  cho  neonach 
's  gu  bheil  e  a'  togail  cheistean  nach  'eil  mise 
a'  dol  a  dh'  fheuchainn  ri  fhreagairt,  faodaidh 
an  duine  sin  a  bhi  'na  dhuine  greannach  crosda, 
nach  'eil  an  dara  leth  cho  maith  ris  an  fheadh- 
ainn  d'a  bheil  e  a'  fosgladh  dhorsan  agus 
uinneagan  ann  an  saoghal  nan  spiorad.  "  Is 
ann  air  mhodh  spioradail  a  thuigear  nithean 
spioradail  ;  bheir  an  duine  spioradail  breith  air 
na  h-uile  nithibh,  gidheadh  chan  'eil  e  fein  fo 
bhreith  duine  sam  bith." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Iain  MacLeoid,  O.B.E. 

LE  bas  Iain  Mhic  Leoid,  a  bha  ann  an 
eaglais  Sraid  Hope,  an  Glaschu,  chaill  an 
Eaglais  Shaor  aon  de  na  ministearan  a  b'  fhearr 
a  bha  innte  ;  duine  maith,  agus  duine  laidir,  air 
am  bi  ionndrainn,  chan  ann  a  mhain  anns  an 
Eaglais  Shaoir  ach  anns  a  h-uile  eaglais  shois- 
geulach  an  Albainn.  O  chionn  tri  no  ceithir  de 
bhliadhnachan  chuala  mi  e  a'  searmonachadh 
air  feasgar  Sabaid  comanachaidh  am  Baile-mac- 
arra,  an  Loch  Aillse,  is  theoidh  mo  chridhe  an 
da  chuid  ris  an  teachdaire  agus  ris  an  teach- 
daireachd.  Bha  e  greis  an  Urrath  an  siorr- 
amachd  Rois,  agus  greis  an  Dornach,  m'  an 
deachaidh  e  do  Ghlaschu,  is  bha  e  fo  dheagh 
chliu  mar  dhuine  tiirail  agus  mar  mhinistear 


soisgeulach  anns  a  h-uile  aite  anns  an  do  shaoth- 
raich  e  riamh.  An  am  a'  chogaidh  bha  e  anns 
an  Fhraingle  reiseamaid  Ghaidhealach  Shiphort, 
is  bhithinn  a'  cluinntinn  gu  robh  na  saighdearan 
anabarrach  toigheach  air.  Bha  coltas  duine 
air,  is  bha  facal  duine  aige  ;  bha  fhios  aige 
daonnan  ciod  a  bha  e  a'  dol  a  radh. 

Rinn  an  Eaglais  Shaor  Moderator  dheth  gu 
maith  6g,  ach  cha  do  mhill  sin  e,  is  cha  do  thog 
e  speuran  a  chinn.  Bha  e  'n  a  dhuine  iriosal 
agus  'na  dhuine  companta  gu  nadurra.  Anns 
na  bliadhnachan  mu  dheireadh  bha  e  air  cheann 
na  h-oibre  a  tha  an  Eaglais  Shaor  a'  deanamh 
anns  na  diithchanna  thall,  obair  a  ni  cridhe  agus 
inntinn  na  feadhnach  aig  a  bheil  lamh  innte 
farsuing  le  farsuingeachd  an  t-soisgeil. 

Bha  Iain  Mac  Leoid  posda  ri  nighean  do'n 


AIG  AN  UINNEIG 


Ard-Urramach  Domnhnull  Mac  Gill-Eathain, 
D.D.,  an  Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire. 

Eideard  Roberts,  M.B.E.,  M.A. 

Bha  moran  mhinistearan  oga  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  anabarrach  duilich  a  chluinntinn  gu'n 
do  shiubhail  Mghr.  Roberts,  maighstir-sgoil 
Chinn-Ghiiibhsaich,  aig  deireadh  lanuari.  Leig 
i  e  dheth  a  dhreuchd  o  chionn  beagan  bhliadh- 
nachan,  ach  cha  d'  fhag  e  Cinn-Ghiubhsaich, 
is  chuir  e  seachad  feasgar  a  laithean  far  an  do 
rinn  e  obair  a  bheatha,  a'  mealtainn  gean-maith 
agus  fabhar  a  choimhearsnach  agus  a  sheana 
sgoilearan. 

Ged  nach  robh  mise  riamh  ann  an  sgoil 
Chinn-Ghitibhsaich  b'  aithne  dhomh  Mghr. 
Roberts  gu  maith,  is  bhithinn  a'  tadhall  air  a 
h-uile  uair  a  rachainn  do  Chinn-Ghiiibhsaich, 
oir  bha  meas  mor  agam  air  fhein,  agus  air  an 
obair  a  bha  e  a'  deanamh.  Cha  robh  suim  aige 
do  ni  fo'n  ghrein  ach  an  sgoil  ;  b'e  an  sgoil  a 
shaoghal,  agus  a  rioghackd,  agus  a  thlachd  ; 
a  bhean  agus  a  phaisdean,  a  phiob  agus  a 
thombaca,  is  bha  a  bhuil  ann  ;  cha  robh  sgoil 
eile  d'a  meudachd  an  Albainn  a  chuir  uiread 
bhalach  do'n  Oilthigh  o  chionn  corr  agus  da 
f  hichead  bliadhna  's  a  chuir  sgoil  Chinn-Ghiubh- 
saich.  Bha  cothrom  maith  aice  gun  teagamh 
leis  na  bursaries  leis  an  robh  an  t-Ollamh 
Coinneach  Mac  Coinnich,  agus  'na  dheidh-san, 
an  t-Ollamh  Diighall  Mac  Pharlain,  a'  cruinn- 
eachadh  bhalach  as  gach  cearn  de'n  Ghaidh- 
ealtachd,  agus  as  na  h-Eileanan,  do  sgoil  Chinn- 
Ghiubhsaich,  ach  mur  biodh  Mghr.  Roberts  'n  a 
mhaighstir-sgoil  maith,  agus  'n  a  fhior  charaid 
do  na  balaich  sin,  cha  rachadh  cuid  mhaith 
dhiubh  na  b'  f haide  na  Cinn-Ghiiibhsaich  fhein. 

Cha  robh  Mghr.  Roberts  leasg  e  fein,  is  cha 
bu  toigh  leis  leisg  ann  an  daoine  eile,  is  cha 
mho  a  bha  e  a'  creidsinn  gu'n  teid  aig  oigridh 
air  Laidionn  no  Greigis  ionnsachadh  gun  deoir 
gun  dragh.  Ma  chiim  e  sronan  nam  balach  ris 
a'  chloich-gheurachaidh,  cha  tug  e  dad  asda 
nach  tug  e  as  a  bhodhig  fhein  ;  naomhaich  e  e 
fein  air  sgath  na  sgoile,  anns  an  t-seagh  gu'm  b'e 
an  sgoil  agus  obair  na  sgoile  a  cheud  smuain 
agus  a  smuain  dheireannach  a  h-uile  la  d'a 
bheatha.  Dh'  fhaodadh  e  a  radh  mar  thubhairt 
Pol,  "  Aon  ni  tha  mi  a'  deanamh."  Air  eagal 
a  dhilseachd  do'n  sgoil  a  roinn  ri  ni  eile,  dh'fhan 
e  gun  phosadh  gus  an  do  leig  e  dheth 
a  dhreuchd.  Phos  e  nighean  do'n  Ollamh 
Coinneach  Mac  Coinnich,  is  bha  e  anns  na 
bliadhnachan  mu  dheireadh  saor  agus  sona,  a' 
gairneilearachd  agus  a'  toirt  air  crioman  beag 
fearainn  tighinn  fo  bhlath  mar  an  ros. 

Bha  e  'n  a  fhoirbheach  an  eaglais  na  sgire. 
Bha  e  'n  a  dhuine  samhach,  tosdach  ;  gun 
rabhart,  no  uaill,  no  gaol  air  na  caithrichean 
arda,  ach  air  a  shon  sin  bha  fhios  againn  uile 
nach  robh  duine  eile  an  Cinn-Ghiubhsaich  a  bha 
a'  deanamh  obair  cho  maith  ris. 


Obair  mhiorbhuileach 

Chunnaic  mi  ann  am  paipear  an  la  roimh  gu'n 
do  chaochail  Mghr.  E.  Dwelly,  am  fear  a  chuir 
a  mach  "  Faclair  Gaidhlig  le  dealbhan,"  an 
191 8.  Ged  nach  aithne  dhomh  dad  uime  ach 
a  mhain  na  dh'  fhaodas  duine  air  bith  fhaicinn 
anns  an  Fhaclair  so,  bu  mhaith  leam  an  obair 
mhiorbhuileach  a  rinn  e  ainmeachadh  air  an 
duilleig  so.  An  uair  a  thoisich  e  air  an  obair 
cha  robh  facal  Gaidhlig  aige  ;  cha  mho  a  bha 
moran  airgid  aige,  is  tha  mi  an  diiil  nach  robh 
a  shuilean  laidir,  ach  dh'  ionnsaich  e  Gaidhlig, 
is  lean  e  air  le  dichioll  is  diorras  neo-chumanta, 
gus  mu  dheireadh  an  do  chriochnaich  e  a 
shaothair  an  1918,  saothair  a  bu  leoir  do  thritiir. 
Chan  e  mhain  gu'n  do  chruinnich  e  a  leabh- 
raichean  eile  na  facail  a  chuir  e  anns  an  Fhaclair 
so,  ach  is  e  fhein  a  chuir  an  clodh  iad  le  laimh 
fhein,  ann  am  beairt  a  cheannaich  e  air  son  a' 
ghnothuich.  Ma  tha  an  clodh  meanbhj  is  e  an 
t-aobhar  nach  robh  e  murrach  air  clodh  a  bu 
ghairbhe  a  cheannach. 

Chuala  mi  duine  no  dha  a'  cur  obair  Mghr.  E. 
Dwelly  an  suarachas  a  chionn  nach  'eil  anns  an 
leabhar  ach  comh-chruinneachadh  sguaban  a 
moran  achaidhean,  ach  bu  mhaith  leamsa  m'  ad 
a  chur  dhiom  agus  mo  cheann  a  chromadh  aig 
uaigh  an  duine,  a  thoirt  urraim  d'a  dhichioll,  d'a 
dhealas,  agus  do'n  eolas  a  chruinnich  e. 

Tha  iomadh  rud  maith  agus  rud  neonach  anns 
an  Fhaclair  so  nach  fhaighear  an  aite  air  bith 
eile,  gun  rannsachadh  a  dheanamh  air  a  shon 
a  ghabhadh  iiine.  Ann  am  Faclair ean  Gaidhlig 
eile  chan  fhaigh  thu  ach  aon  sreath  mu  fhacail 
chumanta  mar  tha  each,  no  tigh,  no  hata,  ach 
chan  e  mhain  gu'n  toir  Mghr.  E.  Dwelly  dhuit 
dealbh  an  eich  agus  dealbh  bata,  ach  innsidh  e 
dhuit  an  t-ainm  a  tha  air  gach  ball  de'n  each  o 
mhuing  gu  earball,  agus  an  t-ainm  a  tha  air 
gach  maide  ann  am  bata  o  h-iirlar  gu  barr  a' 
chroinn.  Tha  se  taobhan-duilleig  aige  mu 
bhata,  agus  os  cionn  tri  fichead  dealbh,  ach  bu 
duine  tioram  agus  bu  duine  maol  a  dh'  iarradh 
air  E.  Dwelly  a  sheanchas  a  ghiorrachadh. 
Tarruingean  an  t-siuil  spreoid,  sgod  an  t-siiiil- 
thoisich  ;  cluas  an  t-siiiil-mheadhoin  ;  glas  a' 
chroinn  ;  fliuch-bhord  ;  aparan-deiridh  ;  ramh- 
braghad,  agus  ficheadan  a  dh'  ainmean  de'n 
t-seorsa  sin,  c6  eile  ach  duin-uasal  mar  bha 
Mghr.  E.  Dwelly  a'  smuainicheadh  idir  air  an 
toirt  dhuit  fo'n  fhacal  hata  ! 

Ann  an  deireadh  an  leabhair  chuir  e  sios  a 
h-uile  ainm-aite  an  Albainn  a  b'  aithne  dha  ann 
an  Gaidhlig,  is  faodaidh  mi  a  radh  gur  trie  a  bha 
mi  'n  a  chomain  air  a  shon  so.  Ach  feumaidh 
duine  a  bhi  daonnan  'na  earalas,  oir  cha  robh 
E.  Dwelly  'n  a  urrainn  chinnteach. 

Ach  cha  robh  ceann  no  crioch  aig  dichioll  an 
duine  ;  le  dhichioll  charaich  e  beanntan  as  an 
aite,  is  choisinn  e  dha  fein  meas  agus  deagh- 
ghean  nan  uile  dhaoine  aig  a  bheil  grain  air  leisg. 


8 


AIG  AN  UINNEIG— AN  T-IONMHAS  FIOR 


An  Siorram  nach  maireann 

Le  bas  an  t-Siorraim,  Iain  Mac  Mhaigstir 
Caimbeul,  chaill  a'  Ghaidhealtachd  aon  de  na 
daoine  a  bu  chomharraichte  innte  anns  a' 
ghineil  so,  fear-duthcha  maith  agus  fior  dhuine 
coir. 

An  uair  a  thainig  Achd  nan  Croitearan  a  mach, 
agus  a  bha  na  mail  a  bha  iad  a'  paidheadh  air 
am  meas  as  ur,  bha  e  'na  fhear-lagha  6g  anns 
an  Oban,  far  an  d'  fhuair  e  agus  an  do  ghabh 
e  cothrom  air  taobh  nan  croitearan  a  sheasamh 
gach  uair  a  bhiodh  ciiis  air  bith  a  bhuineadh 
dhaibh  air  beulaibh  na  ciiirte.  Sin  mar  fhuair 
e  an  t-ainm  a  bha  air  anns  na  bhadhnachan  sin 
an  Earra  Ghaidheal  agus  anns  na  h-Eileanan, 

Iain  nan  Croitearan." 

Uile  laithean  a  bheatha  bha  iiigh  aige  ann  an 
canain  ar  diithcha  cho  maith  ri  liigh  a  bhi  aige 
ann  an  cor  saoghalta  ar  sluaigh,  is  bha  e  'n  a 
fhear  de'n  fheadhainn  a'  chuir  air  chois  an 
Comunn  Gaidhealach,  obair  cho  maith  's  a  rinn 
e  riamh.  Bha  e  greis  n  a  Cheann-suidhe  air  a' 
Chomunn,  agus  b'  annamh  Mod  aig  nach 
faicteadh  e  air  cheann  na  cuideachd. 

Ged  nach  robh  e  'n  a  sgoilear  Gaidhlig  bha 
eolas  farsuing  aige  air  eachdraidh  na  Gaidh- 
ealtachd  agus  air  cor  an  t-sluaigh.  Bha  e  'n  a 
fhear-seanchais  gasda,  Ian  abhacais,  agus  Ian 
de  naidheachdan  beaga  laghach,  gun  gho,  gun 
ghath,  mu  dhaoine  neonach  a  thachair  air  anns 
a'  Ghaidhealtachd  agus  anns  na  h-eileanan, 
agus  mu  nithean  neonach  a  chual  e  iad  ag  radh 
anns  a'  chiiirt  no  aig  taobh  an  teine.  Bha  mi 
aon  uair  a'  gabhail  an  aiseig  comhla  ris  eadar 
an  Tairbeart  agus  Port  Ascaig,  is  bha  a  chomunn 
cho  tlachdmhor  agus  cho  sunndach  's  nach 
fairichinn  an  t-slighe  fada  ged  a  ruigeamaid 
Halifax. 

Bha  e  air  a  radh  gu  robh  eolas  maith  aige  air 
an  lagh,  ach  mar  Shiorram  cha  robh  e  cruaidh 
no  teann  ;  mheasgadh  e  ceartas  le  trocair. 

Bho  chionn  bhliadhnachan  chuir  e  a  mach  as 
iir  an  leabhar  a  sgriobh  Niall  Mac  Neill,  LL.D., 
mu  litreachas  na  Gaidhealtachd,  is  chuir  e  f  hein 
crioman  iir  ris,  ag  innseadh  mu'n  adhartas  a 
thainig  air  cor  na  Gaidhlig  ri  linn  a'  Chomuinn 
Ghaidhealaich,  eadar  1903  agus  1928. 

Bha  e  'n  a  dhuine  glic  ;  glic  'n  a  chomhairle, 
glic  'n  a  theangaidh,  agus  glic  'n  a  chaitheamh- 
beatha  ;  duine  laidir  anns  an  robh  taic  is 
cur-a-mach. 


Grain  na  Ceilidh 

Bha  na  deich  orain  so  (naoi  orain  Ghaidhlig 
agus  aon  oran  Beurla)  air  an  deanamh  le 
Aonghas  Mac  Dhonnachaidh,  Sgitheanach  a 
bha  aon  uair  'na  Cheann-suidhe  air  a'  Chomunn 
Ghaidhealach,  agus  air  a  bheil  a  h-uile  duine 
anns  a'  Ghaidheatlachd  eolach,  is  tha  iad  a  nis 
air  an  cur  a  mach  ann  an  leabhar  boidheach  le 
fuinn  agus  ceol  air  a  dheasachadh  le  lamh  no 
dha  eile.  Ach  ged  is  maith  an  ceol  is  fhearr  a' 
bhardachd. 

Is  e  na  baird  sar-dhaoine  an  t-saoghail  so  ; 
an  uair  a  bheirear  dhaibh  na  ceud-chaithrichean 
chan  'eilear  a'  toirt  dhaibh  ach  an  t-aite  a 
bhuineas  dhaibh  gu  dligheach  le  coir  nadurra. 
An  coimeas  ris  na  baird  chan  'eil  ann  an  sgoil- 
earan,  no  ann  an  seanchaidhean,  no  ann  an 
luchd-gramair,  ach  luchd-gearraidh-fiodha  agus 
luchd-tarruing-uisge. 

Aithnichear  an  leomhann  air  sgriob  a  h-ionga ; 
ged  nach  'eil  moran  shreathan  anns  an  leabhran 
so  uile  gu  leir,  tha  cuid  dhiubh  sin  anns  a  bheil 
an  anail  a  tha  air  a  seideadh  o  shuas. 

Is  e  a'  choire  as  mo  a  gheibhear  ann  an  orain 
Ghaidhlig  agus  ann  am  bardachd  na  Gaidhealt- 
achd, gu  bheil  iad  am  bitheantas  lom  is  tana,  gun 
a'  bheag  annta  air  an  greimich  an  inntinn.  Sin 
an  t-aobhargur  fhearr  leinn  a  bhi  'g  aneisdeachd 
air  an  seinn  seach  a  bhi  'g  an  leughadh  gu 
samhach  dhuinn  fhein.  Tha  an  ceol  coltach 
ris  a'  ghradh,  cuiridh  e  folach  air  lochd  agus 
lomnochd. 

Ach  chan  'eil  a'  choire  sin  air  na  h-6rain  so. 
Tha  biadh  do'n  inntinn  annta  cho  maith  ri  ceol 
do'n  chluais.  Ged  is  trie  a  chuala  mise,  "  Tha  'n 
Samhradh  air  tighinn,"  air  a  sheinn  (agus  cha 
chuala  mi  riamh  e  gun  iarraidh  a  bhi  agam  air 
a  chluinntinn  a  ris)  is  fhearr  leam  a  bhi  'g  a 
leughadh,  no  ag  aithris  nan  rannan  dhomh  fhein, 
seach  a  bhi  'ga  chluinntinn  air  a  sheinn.  Tha 
a  h-uile  rann  a'  cur  dealbh  boidheach  fa  chomh- 
air  na  h-inntinn,  air  an  greimich  i  agus  anns 
am  faigh  i  solas. 

Tha  fior  anail  na  bardachd  anns  an  leabhran 
so  ;  ged  nach  sgriobhadh  Aonghas  Mac 
Dhonnachaidh  dad  eile  ach  tri  no  ceithir  de 
na  h-6rain  a  tha  anns  an  leabhar,  dhearbhadh 
sin  fhein  gur  ann  de  chuideachd  uasal  nam 
bard  e.  Is  e  dearbhadh  na  bardachd  a  bias  ; 
aithnichear  i  mar  a  dh'  aithnichear  a'  mhil,  air 
a  bias. 


An  t-ionmhas  fior 


Le  Alasdair  Stiubhahd,  an  Obar-  Pheallaidh 

Sdiomain  gloir  an  t-saoghail,  Thig  deuchainnean  'n  an  coir 

Caochlaideach  is  carach,  Bheir  sios  am  morchuis  ealamh. 

Bhios  a'  mealladh  cloinn  nan  daoin'  'o      >       t          j           \.  ^  ^ 

,T.T        ,  V .      .           .     .  Sen  ffuocas  do  gach  aon 

J\  an  toir  air  maoni  is  earras.  'r>v,-4.i,        4-*  •      •        -uv, 

Bhith  an  toir  air  saibhreas  maireann 

Ged  fhaigh  iad  beartas  mor,  'S  bhi  tasgaidh  suas  dhaibh  fhein 

Is  solasan  re  seallan,  Fior  ionmhas  ard,  am  Flaitheas. 


Aireamh  4 


939 


Dochas  a'  Chriosduidh 


Thajios  agam  gu  hheil  m  fhear-saoraidh  beb. 
— loB  xix.  25. 

Car  son  a  tha  sibh  ag  iarraidh  an  ft  a  tha  beb 
am  measg  nam  marbh. — Lucas  xxiv.  5. 

Dh'  eirich  an  Tighearn  da  rireadh,  agus 
chunnacas  le  Simon  e. — Lucas  xxiv.  34. 

Beb  dhbchas  ire  aiseirigh  losa  Criosd  0  na 
marbhaibh. — 1  Pead.  i.  3. 

Air  do  Chriosd  eirigh  0  na  mairbh  cha  bhasaich 
e  na  s  mb. — Roman,  vi.  9- 

An  t-Iosa  so  thog  Dia  suas,  air  a  bheil  sinne 
uile  'n  ar  Jianuisean. — Gniomh.  ii.  32. 

CIOD  a  dheanamaid  gun  dochas  na  beatha 
maireannaich  }  Gach  seachduin  d'  ar  beatha 
tha  sinn  a'  faicinn  cuideigin  d'  ar  cairdean  no 
d'  ar  coimhearsnaich  air  an  sineadh  anns  an 
uaigh ;  mur  biodh  dochas  na  beatha  maireann- 
aich againn,  bhiodh  am  bas  na's  goirte  na 
tha  e,  is  bhitheamaid  truagh  da  rireadh.  Ach 
eadhon  aig  bruach  na  h-uaighe  tha  aobhar 
againn  gun  a  bhi  ri  bron  mar  dhaoine  aig  nach 
'eil  dochas,  an  uair  a  chluinneas  sin  na  briathran 
so,  briathran  aig  a  bheil  soisgeul  agus  aiseirigh 
Chriosd  mar  acraichean  laidir, 

Ann  an  dbchas  cinnteach  na  beatha  maireann- 
aich, tha  sinn  a'  tasgadh  anns  an  uaigh  corp 
basmhor  ar  brathar,  a'  tiomnadh  a  dhuslqich  do'n 
duslach  as  an  d'thainig  i,  agus  a'  tiomnadh  a 
spioraid  dhuitse,  Athair  na  trbcair,  tre  losa  Criosd 
ar  Tighearna,  a  chruth-atharraicheas  ar  corp 
diblidh,  chum  gun  deanar  e  comh-chosmhail  r'a 
chorp  glbrmhor  fein,  a  reir  an  oibreachaidh  leis  a 
bheil  e  comasach  air  na  h-uile  nithean  a  chur  fo 
cheannsaljein . 

So  dochas  aite  nan  anma  naomh 
o'n  Slanuighear  caomh  an  tr^th-s' 

A  thug  an  Spiorad  dhaibh  maraon, 
mar  sheul  is  earlais  graidh. 


B'  abhaist  do'n  diadhair  urramach,  an 
t-OUamh  Seumas  Denny  nach  maireann,  a  bhi 
ag  radh,  nach  ann  idir  air  aithris  a  bu  choir 
Creud  na  h-eaglais  a  bhith,  ach  air  a  sheinn,  is 
tha  de  mheas  agamsa  air  Seumas  Denny  's 
nach  lean  mi  air  m'  aithris  bhochd  fein  air 
soisgeul  na  h-aiseirigh  ;  leigidh  mi  leis  an 
luchd-leughaidh  a  sheinn.  Agus  tha  de  mheas 
agam  air  Isaac  Watts  's  gur  e  te  de  na  laoidhean 
aige-san  a  roghnaicheas  mi  gu  bhi  air  a  seinn, 
ged  tha  gu  leoir  de  laoidhean  eile,  tir  is  scan, 
freagarrach  aig  Feill  na  Caisge. 

Failte  do'n  la  's  an  d'  eirich  Criosd 

le  cumhachd  n\os  o'n  uaigh  ; 
'S  an  d'  fhuair  e  air  gach  uile  namh, 

air  ifreann,  's  bas,  lan-bhuaidh. 

'Na  leabaidh  thosdaich  anns  an  uir 

ghabh  Rtgh  nan  diil  a  thamh, 
Gu  ruig  an  treas  la  glbrmhor  sin 

a  shbnraich  e  roimh  laimh. 

Chuir  ifreann  's  uaigh  an  lamh  r'a  cheiV 

'ga  chumail  sKios  fo  ghlais 
Ach  bhris  an  gaisgeach  dheth  gach  sas 

is  dhiiisg  e  'n  aird  gu  cas. 

Do  t'  ainm  ro  ard,  a  Thriath  nam  buadh, 

gach  uair  bheir  sinne  elite  ; 
'S  le  'r  n-ait  Hosana  failtichidh 

an  la  's  an  d'  eirich  thu. 

Slainte  is  cliii  gun  chrich  d'  ar  Dia, 

an  Triath  le  'n  d'  shaoradh  sinn  ; 
Dha  seinneadh  nkamh,  is  fonn,  is  cuan 

gach  uair  Hosana  bhinn. 

Do'n  Ath'r,  do'n  Mhac,  's  do'n  Spiorad  Naomh, 

an  t-aon  Dia  beb  is  f  lor 
Biodh  gloir  mar  bha,  a  ta,  's  a  bhios 

0  so  a  mach  gu  sior. 


Sgeul  a  Eilean  ChoUa 

Le  Eachann  Mac  DaiiGHAiLL,  an  Glaschu 


BHA  an  duine  so,  ris  an  abairte  Uilleam  Mac 
Uisdein,  ann  an  cogadh  Napoleon,  cha  mhor 
bho  a  thoiseach  gu  a  dheireadh.  Is  e  Uilleam 
Mac  Aoidh  a  b'  ainm  dha,  ach  leis  gur  e  Uisdean 
a  b'ainm  d'a  athair,  cha  d'fhuair  e  bho  mhuinn- 
tir  an  aite  riamh  ach  "  Uilleam  Mac  Uisdein." 
Bha  a  bhantrach  beo  'n  am  linn  fein,  agus  mar 
an  ceudna  nighean  dha.     Bha  e  fein  agus  aon 


eile  ris  an  abairte  "  Iain  Mor  Pensioner  "  air 
cho  ainmeil  de  mhuinntir  an  eilein  's  a  bha  anns 
na  cogaidhean  mora  ud  idir,  agus  bu  lionmhor 
na  sgeoil  a  bhiodh  aca  air  gach  gabhadh  anns 
an  robh  iad. 

An  uair  a  bha  Uilleam  so  'na  bhalach  beag 
tha  e  coltach  gu'n  robh  e  fior  bhoidheach,  is 
fhalt    'na    dhualagan    casgrach    m'a    chluasan. 


2 


SGEUL  A  EILEAN  CHOLLA 


Aon  latha  a  bha  an  sin  chaidh  e  a  stigh  do  thigh 
aon  de  na  coimhearsnaich,  agus  co  a  bha  a  stigh 
roimhe  ach  boireaimach  a  bha  air  a  cunntadh 
car  ana-cneasda,  agus  aig  an  robh  buadhan 
sonraichte  nach  robh  aig  daoine  eile.  Mur  e 
taibhsearachd  a  bha  aice,  cha  robh  e  dad  na  bu 
mhi-thairbhiche  ann  am  fiosrachadh  a  thoirt 
dhi  air  na  nithean  a  bha  gu  tachairt  anns  an 
dm  dhoilleir  a  bha  fathast  air  chill  nan  sgail. 

An  uair  a  thainig  Uilleam  beag  a  stigh  chaidh 
e  a  null  far  an  robh  am  boireannach  so,  agus 
theann  isc  ri  a  meoirean  a  thoinneamh  m'a  fhalt, 
ri  a  cheann  a  shUogadh  agus  ri  a  shlinneanan 
a  chlapadh.  "  Mo  chreach,  mo  chreach  !  "  arsa 
ise,  "  nach  bu  mhcjr  am  beud  gu'm  biodh  d'fhalt 
boidhcach  fathast,  an  rud  a  bhithcas  e,  air  a 
thoinneamh  is  air  a  shuaineadh  an  luib  feamann 
is  honraich  a'  chladaich  !  " 

Cha  d'thubhairt  i  an  corr,  ach  osna  thiirsach  a 
leigeil  aisde.  Cha  mho  a  thubhairt  aon  de  na 
bha  mu'n  cuairt  n)  ;  ach  ghabh  iad  geur- 
bheachd  air  na  briathran  a  thubhairt  am 
boireannach,  is  chum  iad  fein  is  gach  aon  a 
chuala  mu'n  cuairt  orra  cuimhnc  orra.  Agus 
bha  an  giollan  e  fein  aig  aois  is  gu'n  do  ghabh 
e  beachd  air  na  briathi'an,  is  chiim  esan  mar 
an  ceudna  cuimhne  orra. 

Co-dhiiibh,  dh'fhas  e  suas,  agus  an  uair  a  bha 
e  'na  ghille  og,  is  cogadh  Napoleon  'na  sheusdar, 
c'aite  an  do  thog  e  ceann  ach  anns  an  arm. 
Chan  'eil  cinnt  agam  air  co-dhiiibh  b'ann  le  a 
thoil  f6in  a  chaidh  e  ann  no  nach  b'ann.  Is 
docha  nach  b'ann  ;  ach  tha  sin  taobh  a  mach 
de  aobhar  na  sgeoil  so.  Bha  e  air  a  radh  gu'n 
robh  "  sfean  "  air  Uilleam  Mac  Uisdein,  is  nach 
rachadh  a  mharbhadh  co-dhiubh  ;  ach  is  docha 
gur  e  so  an  aon  sean  a  bha  air — direach  gu'n 
d'thubhairt  am  boireannach  a  bha  an  sud 
briathran  sonraichte  a  bha  daoine  a'  deanamh 
dheth  a  bhi  a'  ciallachadh  gur  e  bathadh,  is 
sin  bathadh  am  buillsgein  nan  tonn,  a  bha  gu 
bhi  'na  dheireadh  saoghail  dha. 

Bha  Uilleam  ann  an  cogadh  na  Spainnte, 
agus  anns  a'  chuid  mh(Sir  de  na  blair  fhuilteach 
a  chuireadh  an  sin.  Bha  e  anns  an  ruaig  cho 
math  ri  bhi  ann  an  teas  comhraig  leis  na  Fran- 
gaich  a'  gabhail  an  ratreut.  Anns  an  ruaig  aig 
Corunna  (cho  fada  's  a  dheanainn  a  mach 
mar  a  bha  an  sgeul  air  a  h-innseadh,  is  e  sin  an 
ruaig  a  bha  ann)  bha  na  Breatannaich  air  an 
cur  chuige  gu  gabhaidh,  is  na  Frangaich  air  an 
sailtean  'gan  gcarradh  sios.  Bha  esan  a'  toirt 
fa-near  aon  sam  bith  a  bha  a'  tuiteam  an 
Ikmhan  nam  Frangach,  beo  no  marbh,  gu'n 
robh  an  cuid  aodaich  is  gach  ni  a  bhiodh  air  an 
giiilan  air  a  spiiinneadh  bhuapa  ;  agus  gle  thric 
bha  a'  bheigeanaid  'ga  sathadh  tromhpa  air  an 
aobhar  a  b'  fhaoine. 

Thuit  do  Uilleam  a  bhi  leosan  a  bha  air  fior 
dheireadh  na  cuideachd,  agus  ciod  air  bith  no 
ciamar  a  thainig  e  mu'n  cuairt,  fhuair  na  Fran- 


gaich eadar  e  's  an  corr,  is  bha  a'  choltas  air 
gu'm  biodh  e  air  a  ghlacadh  no  gu'n  ^ireadh 
na  bu  mhiosa  dha.  A  nis,  bha  e  ag  innseadh 
'na  dh(:-idh  sin,  cruaidh  'gan  robh  a  shuidh- 
eachadh,  an  latha  so  cho  math  ri  iomadh  latha 
eile,  nach  d'thug  e  riamh  suas  a  mhisneach  is 
cuimhne  aige  air  briathran  na  mnatha  ud  air 
an  d'thug  mi  iomradh  an  uair  a  bha  e  'na 
bhalach  beag  a'  ruith  mu  na  h-ursannan  :  bha 
e  ri  tighinn  as  a'  ghabhadh  so  fathast,  agus  ma's 
e  bathadh  an  luib  na  feamann  a  bha  anns  an 
dan  dha,  b'fhada  bhuaithe  an  cladach  air  an 
robh  a'  chrioch  dheireannach  a'  feitheamh  air 
aig  a'  cheart  am  sin  fein. 

Is  e  a  rinn  e,  mata,  a  chuid  aodaich  uile  a 
tharruing  dheth  is  leigeil  'na  shineadh  mar 
neach  a  bhiodh  marbh,  is  bu  lionmhor  iad  mu'n 
cuairt  air  a  bha  anns  a'  cheart  suidheachadh 
sin  da-rireadh,  gus  an  rachadh  am  beum- 
sleibhe  a  bha  aig  a  shailtean  seachad. 

Chaidh  dha  gu  ro-mhath :  cha  d'thug  na 
Frangaich  siiil  air,  agus  an  uair  a  chaidh  a' 
bhuidheann  sin  seachad  thruis  e  badan  aodaich 
a  chuir  e  uime,  thug  e  aghaidh  an  rath  ad  a 
chaidh  an  corr  de  a  luchd-diithcha,  agus  fhuair 
e  iad  gun  an  corr  driodart  aig  an  am  sin. 

Bha  e  uair  eile  agus  bha  e  gu  sniamhadh  leis 
an  acras.  Bha  buidheann  eile,  triuir  no  ceith- 
rear,  co-dhiiibh,  cornhla  ris  aig  an  am  so  ; 
fhuair  iad  fasgadh  ann  an  ciiileig  bhig  de  thigh, 
agus  fhuair  iad  teine  fhadadh.  Ach  aon 
ghreim  bidh  cha  robh  r'a  chothachadh  a 
bhriseadh  cr&dh-ghonadh  an  acrais  a  bha  'gan 
leireadh. 

Ciod  air  bith  ciamar  a  thachair  e,  fhuair 
Uilleam  bochd  greim  air  luchaig  bhig,  agus  ma 
fhuair,  cha  robh  ise  ri  bhi  air  a  leigeil  ma-sgaoil 
mar  a  bha  air  a  luigheasachadh  do'n  diiil  bhig 
a  thachair  air  bard  ainmeil  Inbhir-Air  an 
sgrlob  a'  chrainn  !  Ach  is  docha  na'n  robh 
an  t-acras  a'  leireadh  Bhurns  mar  a  bha  e  ag 
gonadh  Uilleim  Mhic  Uisdein  nach  b'e  cead 
a  siubhail  a  fhuair  i  bhuaithe-san  na  bu  mho. 
Co-dhiubh,  dh'fheann  Uilleam  an  lucha,  agus 
theann  e  r'a  rostadh  ris  an  teine.  Agus  ged 
nach  robh  aige  ach  an  lucha  f^in  bha  siiilean 
a  chompanach  oirre,  is  farmad  gu  leoir  ris  air 
cheann  na  feisd  a  bha  ri  bhi  aige  !  Agus  ciod 
air  bith  de  a  thachair  a  thug  air  Uilleam  seall- 
tainn  thar  a  ghuailne,  an  t-ath-sealladh  a  thug 
e  air  a'  ghriosaich  bha  an  luchag  air  shiubjial 
is  i  am  beul  fir  eile  !  Cha  mhor  nach  do  chaoin 
e  ;  is  a  bharr  air  sin,  rtiar  a  dh 'innseadh  e  fein 
bitheanta  gu  leoir  iomadh  bliadhna  'na  dhdidh, 
dhuraichdeadh  e  a  bhiodag  a  chur  gu  a  bun  fo 
aisne  an  fhir  a  thiolp  leis  an  luchag  bheag  ! 

B'iad  so  cuid  de  gach  iomadh  cruadal  troimh 
an  d'thainig  Uilleam  Mac  Uisdein  an  cogadh 
na  Spainnte  ;  agus  is  e  am  priomh  aobhar  a 
chionn  mi  bhith  'gan  innseadh  gu  a  thoirt 
fa-near,  mar  a  thubhairt  e  f^in  iomadh  uair, 


SGEUL  A  EILKAN  CITOTJ.A— ANNS  A'  CI  I  ATI  I  AIR 


3 


a  dh'aindeoin  fi-abhadli  no  ciiil  cliumliaii'^'  arms 
an  robli  c,  nuch  do  c-li;iill  (;  rianili  a  irdiisncach 
nacli  fai^lieadh  <;  a  hlicatha  a  ihoiiniadli  asda 
friis  an  (Mian  is  rod  na  rnara  a  tlioirl,  a  rnach, 
is  coinncacliadli  an  sin  r'a  dhj\n  ! 

('liai(JI)  (Tio<;h  air  a'  chogadh  mh6r  so  aig 
UUir  IValerloo  ;  blia  Uillearn  an  sin  mar  an 
(MMidna,  agus  fluiair  e  as  gun  driodart.  An 
iiair  a  ghairnicadli  silli  fluiair  e  pension,  agus 
cliaidh  c  diiacl)aidli  do  (^liolla.  JJlia  v.  a' 
fuir(!ach  ann  an  Tota-llaoglinaill,  is  tlia  lurach 
an  tighc  anns  an  robh  a  clioinlmiiidii  ;iir  a 
choadiarrachadh  a  niadi  gus  an  lalh;i  diiigh. 
Blia  (',  bco  iomadh  bliadlina  an  d(5idh  Waterloo  ; 
i)ha  cadhon  cuid  bco  gus  l)ho  cliionn  flilor 
ghoirid  aig  an  robh  cuirrdnu:  air  rc'idh  gu 
le6r,  agus  bha  mo  mhatbair  fV-iii  air  .ion 
dhiul)h. 

Oidlichc  d(!  n.i  h-oidhcheanri;ui,  "  oidhclu! 
cliiiiin,  (tlicollijir,"  mar  a  bha  na  scann  daoinc 
ag  irmscadh,  (;haidh  e  gu  carraig  iasgaich  un 
iochdar  'J'hola-liMOghnaill  an  gcodha  ris  an 
abrar  (jlrian.iig.  'J'hainig  am  iilh^adh,  aoh  cha 
do  Lliill  llill(;;im  Mac  IJisdiun.  Dh'fhalbliadh 
'ga  shiiibhal,  ach  ciia  robh  sgcul  air,  ach  gu'n 


d'fhuaircadh  a  ,shlat-iasgai<>h  air  sniimh  dliith 
air  a'  chniig  air  am  b'iibliaisl,  dlia  suidhc. 
"  (^hoinnich  Uillcam  Mac  IJisdcMn  r'a  dhfiri  mu 
dhcircadii  !  "  l{'ia,d  sin  na  brialhniri  a  bha 
a,m  belli  gach  diiinc,  agus  m;ir  ;i  lliubhairt 
b'fhior  ! 

An  larna-mhuirc.icli  f'liiiair(-adh  Dillciiii  Mac 
IJisdcin  air  a  blialh.idh  .•inn  ;in  (Jri.inaig  TlioLa- 
UaoghiiJiill  ;  ach  chan  'eil  fios  co-dhiubh  a 
lliuisli(!h  .a  clKMim,  a  thug  an  rUid  a  mach  e, 
no  clod  mar  a  thacihair  c.  Fhuaircadh  ji  chorp 
anns  an  rod,  is  Icamainn  fhuar  a'  chladaich 
suaintc  mu  dhiialan  gl.isa  a  chinn,  mar  a  dli'- 
irmscadh  'na  <f;isdcachd  fcin  is  e  'na  bhalachan 
bcag,  thcagamh  ceithir  bliadlma  no  dlUth  air 
roindie  sin  ! 

A  nis,  cha  r6-sgeul  so  idir,  ach  an  tubfhlrinn. 
iiha  daoinc  clio  c5]ach  air  a  bhi  ag  cluinntinn 
mu'n  I'haisUic.'Uthd  a  rinncadh  's  a  bha  i.id  air 
a  bhi  a'  cluinntinn  gu'n  robh  a'  ghrian  .ig  ('irigh 
is  a'  laighc.  "  Bh.i  scan  .lir  Uillcain  Mac 
Uisdcin,  oir  bha  c  r'a  blial  hadli  anns  a'  chuan  ! 
Bha  na  brialhran  sin  am  bciil  gach  duine  ;  agus 
cha  do  (ihiiir  c  iongantas  air  an  t-saoghal  orra 
an  uair  a  thachair  e. 


Anns  a'  Chathair 


CHA  chiial.i  mi  riamh  ann  an  caglais  ijrnuigh 
arms  an  d'aidich  am  ministear  gu'ndcachaidh 
e  fc'tin  no  daoinc  eile  anns  a'  choimhl  hiorial  air 
scadiran  Ic  stalcaircachd  na  ht  airu^olas. 
Bithidh  sinn  ag  aidcachadh  cruas  ar  cridhc, 
laigsc  ar  toilc,  olcas  ar  miannan,  agus  ag  iarraidh 
air  13ia  maithcanas  a  thoirl,  dhiiinn  air  an  son, 
agus  cuidcach.adh  Icinn  buaidh  I'haolainn  thairis 
orra.  Ach  tha  sinn  uilc  a'  tuisleachadh  na's 
trice  leis  an  fhior  stalcaircachd,  no  h;  cion  tliir, 
na  tha  sinn  a'  tuisleachadh  Ic  olcas  ar  cridhc. 

Ma  tha  fhios  againn  gu  bhcil  ar  riiintcan 
maith,  agus  gu  bheil  iarraidh  againn  air  cum.ail 
air  slighc  na  corach,  saoilidh  sinn  gu'm  bi  a 
h-uilc  rud  a  ni  sinn  ccart,  agus  sinn  f(*in  neo- 
choireach,  ciod  air  bith  mar  thionndas  cijiscan 
a  mach.  Ach  ged  tha  e  fViumail  dhuinn  JViin 
ar  riiintcan  a  bhi  ccart,  agus  ar  cridhc-achan  a 
bhi  trciblidhircach,  tha  e  na's  feumailc  do 
dhaoine  cite  ar  gniomharan  a  bhi  ccart.  Ma 
bhris  am  fear  a  th.achair  ort  air  an  rathad  ann 
am  motor  car  do  (-has,  a  chionn  nach  })'  aithnc 
dha  an  carbad  a  laimhseachadh  no  stiiiircadh, 
is  coma  dhuitse  gu  robh  c  gu  h-f)nar,'icli  iigus 
le  uilc  cliridhc  a'  cr(;idsinn  gu'n  rachadh  aigc 
air    rud    a    dhcanamh    n;icli     b'aithne,    dha    a 


Is  dlomhain  dhuit  a  bhi  toirt  teagaisg 

do  nc.ack  a  cJiuir  cki  ri  colas  ; 
Mar  thio'/mdai-  a'  chbrnhr  air  a  hannaihh, 

pillidh  an  t-amadan  ri  ghbraich'. 

dhcanamJ)  idir.  Is  com.i  dhuit  nach  rol)h  dnx-h 
rijn  dhuit  'n  a  chridhe,  no  n.ach  ann  'na  dli(;oiii 
a  ghoirtich  c;  thii  ;  bliiodh  <;  na  b'  fhearr 
dhuitse  tijr  a  bhi  'n  a  e.ujehainn  a  chumadh  e 
o'n  chliopaireachd  a  ritm  vxuw  ort. 

Amhlaireachd  no  peacadh 

Ann  ;ui  se;dl;i(lli  Dlie  is  iri;iitli  do  dhiiine 
cridhc  glan  a  bhi  aigct,  agus  spiorad  ccart  a  bhi 
an  taobh  a  stigh  dlieth,  ach  is  rnaitli  do  dhuine 
a  dh'  fheumas  gnothuch  a  dheanamli  mar 
choimhcarsnach  ri  daoinc  eilc  a  h-uilc  la  d'a 
bhcatha  tiir  agus  tuigse  a  bhi  'n  a  canchainn. 
Mar  sin  tha  it  a  chcart  cho  feumail  dhuinn  a 
bhi  ag  iirnuigh  ri  Dia  gu'n  tugadh  e  air  falbh 
uainn  ar  cion-tijir  agus  ar  n-amhlaireachd  's  a 
tha  e  a  bhi  ag  ijrnuigh  gu'n  tugadh  e  air  falbh 
ar  peacaidhean,  oir  mar  is  trice  is  ann  Ic  cion- 
tuir,  no  le  airi(;ol;is,  a  tha  sinn  a'  toirt  oilbhcim 
do  dhaoine;  eilc;  ;igus  a'  deanamh  croin  orra. 
Am  peacadh  d'a  bheil  sinn  ciontadi  an  agliaidh 
Dhe,  no  an  cron  a  rinn  sinn  oirnn  f(un,  tha  sin 
e-adar  sinn  f<^in  agus  Dia  ;  ach  an  stalcaircachd 
agus  an  <;ion-tiiir  l(;is  am  bris  sinn  casan,  no 
cridh(;achan,  no  teaghlaichcan  dhaoine  cile, 
tha  sin  <;adar  sinn  i(t.\n  agus  ar  braithrean,  air 


ANNS  A'  CHATHAIR 


chor  agus  gu  bheil  e  na's  feumaile  d'a  choimh- 
earsnaich  duine  a  bhi  'na  dhuine  tiirail  na  e 
bhi  'n  a  dhuine  diadhaidh. 


Eud  gun  eolas 

Tha  fada  barrachd  de  dhaoine  maith  anns 
an  t-saoghal  na  tha  ann  de  dhaoine  tiirail,  is 
faodaidh  daoine  maith  gu  leoir  de  chron  a 
dheanamh  mur  bheil  eolas  agus  gliocas  aca. 
Ma  b'fheairrd  luchd-riaghlaidh  an  t-saoghail 
barrachd  a  bhi  aca  de  'n  ghliocas  a  tha  ri 
fhaotainn  ann  an  eagal  an  Tighearna,  b' 
fheairrd  na  naoimh  barrachd  a  bhi  aca  de 
ghliocas  an  t-saoghail  so.  A  h-uile  seachduin 
chi  thu  anns  na  paipearan  naidheachd,  agus 
cluinnidh  tu  ann  an  cubaidean,  daoine  maithe 
a'  sgriobhadh  agus  a'  labhairt,  ag  innseadh 
dhuinn  cho  furasda  's  a  tha  e  an  saoghal  a  chur 
ceart,  agus  cuisean  an  t-saoghail  a  reiteachadh, 
agus  sith  mhaireannach  a  dheanamh  eadar  na 
rioghachdan,  na'n  gabhamaid  an  doigh  cheart 
air.  Their  iad  nach  'eil  doigh  eile  air  ach  an 
doigh  a  bha  aig  Criosd  ;  gu'm  biodh  an  saoghal 
aig  fois  na'n  deanamaid  uile  toil  Dhe  ;  agus 
gu'm  biodh  leomhann  na  h-Eadailt  agus  uan 
beag  laghach  Bhreatuinn  ag  ionaltradh  gu 
socruch  comhla  laimh  ri  uisgeachaibh  ciiiine  na 
Mara-meadhonaich,  na'nrobh  .  .  .  (faodaidh  tu 
fein,  a  leughadair,  so  a  chriochnachadh.  "  Na'n 
robh  b'  fhearr  leam  beo,  is  posda  aig  Mur-a- 
bitheadh,  is  iomadh  rud  a  bha,  is  a  tha,  nach 
bitheadh." 

Och,  och,  b'  fhearr  gu  robh  ciiisean  cho 
furasda  an  cur  ceart  's  a  bhios  cuid  de  m' 
chairdean  ag  radh,  ach  bheir  mi  air  ais  am  facal 
sin,  is  abraidh  mi  'n  a  aite,  nach  b'  fhearr  idir, 
oir  na'n  robh  ciiisean  cho  simplidh,  agus  cho 
soilleir,  agus  cho  furasda  an  reiteachadh  's  a  tha 
na  daoine  ud  an  diiil,  cha  b'  fhiach  do  chreutair 
gaisgeil  agus  innleachdach  mar  tha  mac  an 
duine  a  bhi  anns  an  t-saoghal  so  idir.  Cha 
bhiodh  foidhe  ach  itheadh,  agus  61,  agus  cadal, 
gus  am  fasadh  a'  chuid  a  b'  fhearr  dhiubh 
sgith  de  shuaimhneas  nach  'eil  uasal  no  Criosd- 
ail,  agus  an  iarradh  iad  air  an  companaich 
eirigh  agus  dol  air  ghaisge  taobh-eigin. 


Doigh  Chriosd 

Tha  e  fior  gun  teagamh  gu'm  biodh  neamh  air 
thalamh  na'n  robh  sinn  uile  mar  bha  Criosd, 
d'  am  bu  bhiadh  agus  d'  am  bu  dheoch  toil  an 
Athar  a  dheanamh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a 
fhoighnicheas  tu,  Ciod  i  toil  Dhe  ?  no  ciod  i 
doigh  Chriosd  ?  toisichidh  an  connsachadh,  is 
fasaidh  na  Pacifists  fhein  teth.  Theagamh  gu'n 
abair  duine-eigin  gur  e  toil  Dhe  ceartas  a 
dheanamh  agus  sith  a  ghradhachadh,  ach  cha 
dean  sin  ach  an  connsachadh  a  dheanamh  na's 


teotha,  oir  an  rud  a  tha  an  dara  fear  a'  saoilsinn 
ceart  tha  am  fear  eile  a'  saoilsinn  cearr.  Tha 
da  mhile  muillean  duine  an  diugh  a'  bruidhinn 
mu  chor  an  t  -  saoghail,  agus  trian  mhaith 
dhiubh  an  diiil  gu  bheil  fhios  aca  ciod  a  tha 
cearr,  agus  gu'n  rachadh  aca  air  na  tha  cearr 
a  chur  ceart  na'n  robh  cothrom  air  a  thoirt 
dhaibh,  ach  cho  luath  's  a  thoisicheas  iad  air  a 
radh  gur  e  sud  no  so  a  bhiodh  ceart  a  dheanamh, 
toisichidh  a'  chonnspoid,  oir  chan  aontaich 
each  leo  gu  bheil  iad  ceart  idir. 

Solus  reusoin 

Tha  mi  an  diiil  gu'm  bu  choir  do  dhaoine  a 
bhi  a'  sireadh  agus  ag  urnuigh  air  son  tiiir, 
agus  tuigse,  agus  eolais,  agus  solus  reusoin,  a 
cheart  cho  maith  's  a  bhios  iad  ag  iirnuigh  air 
son  creidimh,  no  cridhe  glan,  no  dearbhachd 
spioradail,  oir  is  ann  o  Dhia  a  tha  na  grasan 
sin  uile  a'  teachd,  agus  tha  iad  uile  a  dhith 
oirnn  ann  an  obair  ar  beatha  ;  araon  ann  an 
seirbhis  ar  rioghachd  thalmhaidh  agus  ar  riogh- 
achd  neamhaidh.  Agus  bu  choir  dhuinn 
aideachadh  do  Dhia  nach  e  rud  eile  a  thug 
oirnn  tuisleachadh  an  diugh  agus  an  de,  no 
oilbheum  a  thoirt  d'  ar  teaghlaichean  no  d'  ar 
coimhearsnaich,  ach  cion  tiiir,  amhlaireachd  a 
dh'  fhaodamaid  a  sheachnadh  na'n  do  chleachd 
sinn  ar  n-eanchainn  mar  bu  choir  dhuinn. 
The  Dia  ag  oibreachadh  anns  an  eanchainn  cho 
maith  's  a  tha  e  ag  oibreachadh  anns  an  anam, 
is  tha  e  mar  f  hiachaibh  oirnn  curam  a  ghabhail 
d'  ar  n-eanchainn  mar  a  ghabhas  sinn  ciiram 
d'  ar  n-anam.  Ciod  air  bith  a  their  daoine  eile, 
their  mise  o  fhiosrachadh  mo  bheatha  fein  gur 
e  na  mearachdan  a  bu  mho  a  rinn  mi  riamh, 
agus  a  bu  mho  a  chuir  naire  agus  aithreachas 
orm,  mearachdan  a  rinn  mi  leis  an  fhior  stalc- 
aireachd,  a  chionn  nach  do  chleachd  mi  aig 
an  am  m'  eanchainn  agus  mo  thiir.  An  uair 
a  thachras  sin  thig  duine  chuige  fein  gu  maith 
grad,  ach  theagamh  gu  bheil  e  ro  anmoch 
agus  gu  bheil  an  cron  deanta. 


Air  ar  turus  anns  an  t-saoghal  so  is  maith  a' 
chombaist  do  dhuine  a  thiir  agus  eanchainn 
fein  ;  is  ann  o  Dhia  a  tha  an  solus  sin  cho 
cinnteach  agus  is  ann  o  Dhia  a  tha  an  guth  a 
tha  a'  labhairt  riut  'n  ad  choguis  agus  anns  a' 
Bhiobull.  C  aite  a  bheil  an  garadh-criche 
eadar  t-eanchainn  agus  t'  inntinn,  eadar  do 
thiir  agus  do  choguis,  eadar  t'  inntinn  agus  do 
choguis  agus  t'  anam  ? 

Cia  as  a  gheihhear  gliocas  ?  agus  caite  a  bheil 
ionad  na  tuigse  ?  Ma  tha  aon  neach  agaihh  a 
dh'  uireasbhuidh  gliocais,  iarradh  e  o  Dhia,  a 
bheir  do  gach  neach  gu  pailt,  agus  nach  dean 
maoidheadh  ;   agus  bheirear  dha  e. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


THA  da  leabhar  anns  a  bheil  nadur  agus  toil 
agus  ruintean  a'  Chruitheir  air  am  foillseach- 
adh,  Leabhar  a'  Chruthachaidh  agus  Leabhar  an 
Taisbeanaidh  ;  oibrichean  agus  fhacal.  Sin  an 
da  dhorus  air  am  faod  sinn  dol  a  steach  do  ionad 
diomhair  an  Ti  as  airde,  is  tha  iad  le  cheile  cho 
soilleir  agus  cho  farsuinn  's  nach  teid  eadhon 
na  daoine  baoghalta  air  seachran,  ma  tha  iad 
ag  iarraidh  na  slighe  gu  h-iriosal  agus  le  Ian 
dhiirachd. 

Tha  na  neamhan  a'  cur  an  ceill  gloir  Dhe 
agus  na  speuran  a'  nochdadh  gniomh  a  lamh. 
Tha  lagh  an  Tighearn  air  a'  sgriobhadh  air  na 
creagan  agus  anns  an  iarmailt  cho  cinnteach  's 
a  tha  e  air  a  sgriobhadh  anns  a'  Bhiobull. 
Mar  sin  bu  choir  dhuinn  eisdeachd  le  aire  ris 
na  tha  na  daoine  a  tha  a'  rannsachadh  oibrichean 
Dhe  anns  a'  Chruthachadh  ag  innseadh  dhuinn 
mu  na  comharraidhean  a  tha  iad  a'  faotainn 
air  a  ghliocas  agus  air  a  chumhachd,  agus  gu 
sonraichte  ris  na  dearbhaidhean  a  tha  iad 
a'  faicinn  gu  bheil  aon  inntinn  agus  aon  run 
ag  oibreachadh  anns  a'  Chruthachadh  uile. 
Theagamh  nach  'eil  luchd-ealain  air  uairean 
a'  tuigsinn  ciod  a  tha  iad  a'  leughadh  anns  na 
creagan  no  anns  na  reultan,  ach  tha  e  a  cheart 
cho  fior  nach  'eil  na  diadhairean  air  uairean  a' 
tuigsinn  ciod  a  tha  iad  a'  leughadh  anns  a' 
Bhiobull.  Ach  air  a  shon  sin,  tha  na  reultan 
agus  am  Biobull  a'  toirt  fiannis  dhuinn  mu 
Dhia,  agus  a'  foillseachadh  a  thoile  agus  a 
riiintean. 

Gun  siiilean 

An  uair  a  fhreagair  an  Tighearn  lob  as  a' 
chuairt-ghaoith  chronaich  e  e  a  chionn  nach  do 
ghabh  e  suim  do  nithean  a  bha  mu  choinneamh 
a  shul  anns  a'  Chruthachadh,  nithean  o'm 
faodadh  e  gliocas  agus  eolas  fhaotainn  na'n 
d'  thug  e  'n  aire. 

O  thoiseach  do  laithean  an  d'  thug  thu  aithne 
do'n  mhaduinn  ?  An  d'thug  thu  fainear  lend  na 
talmhainn  ?■  An  aithne  dhuit  reachdan  nan 
neamh  ?  An  ceangail  thusa  ceanglaichean  nam 
Pleiades,  no  am  fuasgail  thu  ciiird  Orioin  ? 

Tha  eolas  air  Dia  ri  fhaotainn  o'n  fhairge 
agus  o  na  beanntan  ;  ©-  thrathan  na  bliadhna 
agus  o'n  t-sid  ;  o  na  h-eoin  agus  o  na  h-eisg  ; 
o  chreutairean  snaigeach  agus  o  na  h-ain- 
mhidhean.  ' '  Thoir fainear  an  seangan,  a  leisgein; 
thoir  an  aire  d'a  shlighean,  agus  hi  glic.  Tha  na 
seangain  'n  an  sluagh  nach  'eil  laidir,  gidheadh 
ullaichidh  iad  am  biadh  's  an  t-samhradh  ;  tha 
na  coineana  'n  am  muinntir  nach  'eil  neartmhor, 
gidheadh  ni  iad  an  tighean  anns  na  creagan." 

Taobh  na  h-aibhne 

Ged  bhiodh  Criosd  a'  fosgladh  nan  Sgriobturan 
d'a  dheisciobuil  cha  b'  ann  as  na  Sgriobturan  a 


tharruing  e  a'  chuid  bu  mho  de  'n  teagasg  a 
thug  e  dhaibh,  agus  a  tha  a  nis  againne  anns 
na  soisgeulan,  ach  o  oibrichean  Dhe  anns  a' 
Chruthachadh.  Air  uairean  bhiodh  e  a'  teagasg 
anns  na  sionagogan,  ach  mar  bu  trice  bhiodh  e 
a'  teagasg  a  mach  air  a'  bhlar,  no  'n  a  shuidhe 
ann  am  bata.  Aig  na  h-amannan  sin  thogadh  e 
inntinnean  a  chompanach  o  nithean  nadurra 
gu  nithean  spioradail,  le  sheanchas  mu  chruith- 
neachd  agus  mu  chogall  ;  mu  earrach  agus  mu 
f  hoghar  ;  mu  chraobhan  agus  mu  f  hluraichean  ; 
mu  eoin  na  coille  agus  mu  chreutairean  na 
machrach. 

Ciod  a  theireadh  muinntir  Chille-sgumain 
na'n  abradh  an  t-Urramach  Niall  MacPharlain, 
B.D.,  riu  air  maduinn  Sabaid,  maduinn 
ghrianach  ann  an  deireadh  April,  Thigibh  agus 
theid  sinn  sios  gu  taobh  na  h-aibhne  an  diugh, 
is  suidhidh  sinn  air  reidhlean  boidheach,  air 
chill  na  gaoithe  agus  air  aodann  na  greine  ? 

Chan  abrainn-sa  gu'm  bu  chall  air  bith  e 
do  mhuinntir  Chille-sgumain  an  eaglais  a  bhi 
diiinte  air  an  t-Sabaid  na'n  rachadh  aig  Niall 
MacPharlain  air  cosmhalachdan  a  dheanamh 
mu  bhric  no  mu  bhradain  air  am  biodh  cuimhne 
aig  an  ogha  agus  aig  an  iar-ogha.  Ach  tha  an 
t-Urramach  Niall  Mac  Pharlain  coltach  ruinn 
uile  ;  thug  e  barrachd  d'a  eolas  a  leabhraichean 
na  thug  e  as  a  cheann  fein,  barrachd  o  na 
sgriobhaichean  na  o  shiiilean  fein,  agus  mar  sin 
tha  e  na's  fhasa  dha  searmon  a  liubhairt  ann 
an  ciibaid  na  seanchas  mu  Dhia  a  dheanamh 
ri  taobh  na  h-aibhne. 

Anail  chaomhail  an  Earraich 

Tha  an  la  air  sineadh,  an  talamh  a'  dusgadh 
as  a  chadal,  agus  anail  bhlath  an  earraich  air 
m'  aodann  anns  a'  Choille  Bheithe  an  diugh. 
Tha  marbhantachd  a'  gheamhraidh  air  a 
chiosnachadh  le  cumhachd  na  beatha  a  tha 
teachd  o  theas  na  greine,  agus  m'  an  tig  Di- 
domhnaich  Casg  bithidh  an  aon  sgeul  'ga 
h-innseadh  air  feadh  na  Coille  Bheithe  's  a 
bhios  mise  a'  leughadh  a  soisgeul  Lucais  do'n 
choimhthional  ann  an  eaglais  Bhlair  mu'n 
bheatha  shiorruidh  air  nach  robh  cumhachd  air 
bith  aig  a'  bhas. 

Is  e  an  t-earrach  dochas  dhaoine  ann  an 
iomadh  seagh  ;  siol  xir  'ga  chur  anns  an  talamh 
an  aite  asbhuain  an  fhoghair  ;  gineal  iir  ag 
eirigh  suas  an  aite  na  gineil  a  theab  an  saoghal 
a  sgi'ios  ;  maise  iir  a'  sgaoileadh  fa  chomhair 
nan  sul  a  dh'  fhas  sgith  de  lomnochd  nan 
achaidhean  ;  is  dochas  iir  ag  eirigh  ann  an 
cridheachan  dhaoine  a  tha  a'  creidsinn  ann  an 
soisgeul  na  h-aiseirigh.  Anns  an  earrach  tha 
mile  guth  anns  a'  Chriiinne  ag  eigheach  maille 
ri  Pol, 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— DUINE  MI-NAOMH 


0  uaigh,  caite  a  bheil  do  hhuaidk 

"  Buidheachas  do  Dhia  a  tha  toirt  dhuinne 
na  buadha,  tre  ar  Tighearn  losa  Criosd." 

Surd  na  Coille 

Chan  'eil  creutair  eile  anns  a'  Choille  Bheithe 
an  diugh  a  tha  a'  gabhail  an  t-saoghail  cho 
reidh  rium  fehi  ;  tha  na  h-eoin  uile  trang  ag 
obair,  ach  chan  'eil  sin  'n  a  uallach  dhaibh,  oir 
tha  iad  a'  seinn  aig  an  obair.  Tha  e  'n  a  aon 
chomharradh  air  gUocas  an  Ti  a  chruthaich  na 
h-uile  chreutairean,  gu'n  do  rinn  e  iad  air  a 
leithid  de  dhoigh  's  gu  bheil  iad  a'  faotainn 
barrachd  solais  as  an  obair  agus  as  a'  ghaol  a 
tha  conih-cheangailte  ri  siolachadh  na  tha  iad 
a'  faotainn  a  rud  eile  fo'n  ghrein.  Mur  tugadh 
gaol  nam  ban  agus  caidreamh  nam  ban  subh- 
achas  do  chridhe  agus  do  airnean  mhic  an 
duine  rachadh  an  cinneadh — daonna  a  bith  ann 
am  beagan  mhiltean  bliadhna  oir  chan  e  solus 
reusoin,  no  dilseachd  d'  an  dleasdanas,  a  tha 
toirt  air  cloinn  -  daoine  siolachadh,  ach  na 
faireachduinean  solasach  a  chuir  an  Ti  glic  'n 
am  poraibh  comh-cheangailte  ris  an  obair  sin. 
Tha  a  cheart  ni  f  ior  mu  na  h-eoin.    Tha  iad 


an  drasd  a'  neadachadh,  agus  ag  ullachadh  air 
son  an  ail,  ach  ged  tha  saothair  agus  dragh  aca 
anns  an  obair  sin,  tha  iad  uile  a'  seinn  gu 
laidir,  is  tha  e  furasd  fhaicinn  gu  bheil  solas 
aca  anns  an  leannanachd  a  tha  iad  a'  deanamh. 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  na  daoine  a 
shuidhich  Dia  ann  an  teaghlach,  le'n  gabhail 
thar  a  cheile,  o  oige  gu  aois,  agus  an  t-olc  leis 
a'  mhaith,  na's  fhearr  dheth  agus  na's  sona  na 
na  h-aonaranaich. 

Tha  aon  eun  nach  bi  mi  a'  faicinn  ach  gle 
annamh  anns  a'  Choille  Bheithe,  an  uiseag  ;  an 
seinneadair  as  fhearr  leam  air  an  t-saoghal. 
An  uair  a  chluinneas  tu  an  uiseag  a'  seinn,  agus 
an  ceol  a'  fas  na's  gloine  agus  na's  binne  mar 
is  airde  a  dh'  eireas  i,  agus  is  dliiithe  a  gheibh 
i  air  neamh,  saoilidh  tu  gu  bheil  hnn  nam 
miorbhuilean  air  tighinn  air  ais,  'nuair  a  sheinn 
reultan  na  maidne,  agus  a  rinn  uile  mhic  Dhe 
gairdeachas. 

An  Dia  a  tha  toirt  ceol  na  h-uiseig  do  dhaoine 
peacach  air  thalamh,  ciod  idir  an  ceol  a  bheir 
e  do  na  naoimh  ann  an  nfeamh  ? 

Cia  lionmhor  t'  oibre,  a  Thighearna  !  ann  an 
gliocas  rinn  thu  iad  gu  leir ;  tha  an  talamh  Ian 
le  d'  shaoibhreas. 


Duine  ml-naomh 


FHUAIR  Esau  droch  ainm,  ach  ma  fhuair, 
cha  b'  ann  gun  aobhar.  Ciod  eile  ach  duine 
mi-naomh  a  their  thu  ri  duine  aig  nach  'eil 
smuain  air  Dia  no  air  an  t-saoghal  eile  ? 

Ann  an  aon  doigh  bha  Esau  na  b'  fhearr  na 
a  bhrathair  lacob  ;  cha  robh  uiread  chuil- 
bheartan  ann  's  a  bha  ann  an  lacob,  agus  cha 
mho  a  bha  e  cho  sanntach  ris,  ach  air  a  shon 
sin,  tha  am  Biobull  a'  cur  lacoib  am  measg  nan 
naomh  a  thug  buaidh  air  an  t-saoghal  tre 
chreideamh,  agus  a'  cur  Esau  am  measg  dhaoine 
mi-naomha  a  bhios  air  an  dimadh  a  mach  a 
rioghachd  Dhe. 

Ciod  a  bha  cearr  air  Esau,  agus  car  son  a 
theirear  gu  robh  e  'na  dhuine  mi-naomh  ?  Bha 
so  cearr  air,  gu  robh  fheoil  agus  ana-miannan 
fheola  laidir,  agus  a  spiorad  anfhann.  Gu 
spioradail  cha  robh  ann  ach  am  paisde,  dall  agus 
bodhar  agus  lomnochd.  Bha  e  mi-naomh  a 
chionn  nach  f  haca  e  riamh  maise  na  naomhachd, 
agus  nach  tainig  e  riamh  'na  chridhe  gur  f  hiaeh 
do  dhuine  fheoil  a  smachdachadh  air  ghaol 
oighreachd  shiorruidh  a  chosnadh. 

Duine  talmhaidh 

Co  ris  a  their  thu  duine  mi-naomh  ?  Theirear 
duine  mi-naomh  ri  duine  a  bhios  a'  toirt  ainm 
Dhe,  no  ainm  a  mhic,  an  diomhanas  ;  no  ri 
duine  a  bhios  a'  mionnachadh  gu  sgreataidh, 
no  a'  labhairt  toibheim  ;  no  ri  duine  aig  nach 
'eil  suim  no  urram  do  nithean  a  tha  daoine  eile 


a'  cunntas  urramach  agus  naomh.  Ach  chan 
e  sin  a  tha  am  facal  a'  ciallachadh  anns  an 
earrann  so  de'n  Bhiobull ;  tha  e  a'  ciallachadh 
gu  robh  Esau  'n  a  dhuine  talmhaidh,  gun  deo 
de'n  anail  ann  a  tha  air  a  seideadh  o  shuas. 
Bha  e  a'  tighinn  beo  air  son  nithean  an  t-saogh- 
ail, biadh  is  deoch  is  aodach  ;  Ian  thoilichte 
leis  na  solasan  a  riaraicheas  an  fheoil. 

Tha  moran  de'n  t-seorsa  dhaoine  so  anns  an 
t-saoghal  ;  daoine  d'  an  dia  am  brii  agus  aig 
a  bheil  an  aire  uile  gu  leir  air  nithean  talmhaidh. 
Tha  Facal  an  Tighearn  ag  radh  gur  e  crioch  nan 
daoine  sin  a  bhi  air  an  sgrios.  Tha  am  Biobull 
ag  radh  mu  Esau  "  an  uair  a  b'  aill  leis  am 
beannachadh ashealbhachadh, gu'n  do dhiiiltadh 
e,  oir  cha  d'  fhuair  e  aite  aithreachais,  ged  dh' 
iarr  e  e  gu  diirachdach  le  deuraibh." 

Ciod  an  tairbhe? 

Thainig  saoghaltachd  Esau  am  follais  an  la 
a  reic  e  a  choir-bhreithe  ri  lacob,  agus  a  thubh- 
airt  e  ris,  "  Ciod  an  tairbhe  a  tha  's  a'  choir- 
bhreithe  so  dhomhsa  ?  "  Thubhairt  e  sin 
fichead  agus  ceud  uair  'n  a  chridhe  fein  m'  an 
d'  thubhairt  e  ri  lacob  e,  agus  b'e  mathair- 
aobhair  a  sheachrain  agus  a  thruaighe  gu'n  do 
rinn  e  dimeas  air  a  choir-bhreithe,  no  air  a' 
chiimhnant  a  rinn  Dia  ri  sheanair,  Abraham, 
agus  ri  athair,  Isaac. 

An  uair  a  thainig  Esau  a  steach  do'n  t-saoghal 
bha  e  beannaichte  os  cionn  leanaban  eile,  oir 


DUINE  MI-NAOMH— AIG  AN  UINNEIG 


bha  e  'n  a  oighre  air  a'  ghealladh  aims  an  robh 
dochas  an  t-saoghail.  Ach  ged  a  bha  siiilean 
'n  a  cheann  leis  am  faca  e  na  nithean  a  tha 
faicsinneach  agus  aimsireil,  cha  robh  suilean 
'n  a  chridhe  leis  am  faiceadh  e  na  nithean  a  tha 
neo-fhaicsinneach  agus  siorruidh.  Cha  robh 
creideamh  no  fradharc  anama  aige  leis  an 
greimicheadh  e  air  gealladh  Dhe,  no  air  nithean 
nach  gabhadh  laimhseachadh,  agus  mar  sin 
bha  iad  dha  mar  nithean  aig  nach  robh  bun  no 
barr,  air  neo  nach  robh  ann  idir.  Theagamh 
nach  robh  lacob  'na  dhuine  a  b'  fhearr  na  Esau, 
ach  bha  a  shuilean  na  b'  fhosgailte,  is  bha 
sealladh  aige  air  an  t-saoghal  spioradail  agus 
tuigse  air  riiintean  Dhe  nach  robh  aig  Esau 
riamh.  Cha  robh  anns  an  oighreachd  neo- 
fhaicsinnich  agus  ann  an  gealladh  Dhe  air  am 
biodh  teaghlach  athar  a'  bruidhinn  an  comh- 
nuidh, — cha  robh  annta  do  Esau  ach  mar  gu'm 
biodh  bruadar.  Cha  robh  brigh  no  beatha 
annta  dha, agus  mar  sinroghnaich  e  air  thoiseach 
orra  biadh  blasda  agus  mnathan  coimheach. 
Duine  talmhaidh  gun  teagamh,  agus  mi-naomh 
a  chionn  gu  robh  e  talmhaidh. 

An  diisgadh 

Ach  cha  robh  anns  a'  bhiadh  bhlasda  agus 
anns  na  mnathan  coimheach  ach  luaithre  agus 
searbhadas  'na  bheul  ;  dhiiisg  e  as  a  shuain, 
"  is  thog  e  suas  a  ghuth,  agus  ghuil  e  .  .  . 
beannaich  raise,  eadhon  mise  mar  an  ceudna, 
O  athair."  Sin  agad  glaodh  goirt  a'  pheacaich 
a  tha  air  diisgadh  as  a  chadal,  agus  a  tha  nis 
a'  faicinn  luachmhorachd  nan  nithean  agus  nan 
cothroman  air  an  do  rinn  e  dimeas  agus  dearmad. 

Tha  coslas  aithreachain  air  Esau,  agus  tha 
fuaim  an  aithreachais  aig  a  chainnt,  ach  chan 
e  aithreachas  a  bha  ann  idir.  Cha  b'  ann  air 
son  a  mhi-naomhachd  fein  a  bha  aithreachas 
air,  ach  air  son  na  droch  hhargain,  no  na  droch 
mhalairt  a  rinn  e.     An  uair  a  tha  cridhe  a' 


pheacaich  air  a  bhriseadh  le  fior  aithreachas 
tha  a  pheacadh  'n  a  lathair  a  ghnath,  air  inntinn 
agus  air  a  choguis  ;  tha  e  'g  a  fhuathachadh 
fein  na's  mo  ma  rinn  e  buannachd  as  a  pheacadh. 

Cha  d'  iarr  Esau  maitheanas  air  son  a  bhi  air 
a  tharruing  air  falbh  le  solasan  na  feola,  ach 
dh'  iarr  e  gu'm  biodh  an  oighreachd  air  an  do 
rinn  e  dimeas  air  a  toirt  air  ais  dha.  Chan  e 
sin  fior  aithreachas.  Is  e  a  their  am  fior 
aithreachan,  "  Chan  airidh  mi  gu'n  goirteadh 
do  mhac  dhiom  ;  dean  mi  mar  aon  de  d'  luchd- 
tuarasdail." 

****** 

"  An  ni  a  bha  ann,  is  e  an  ni  sin  fein  a  bhitheas 
ann  ;  chan  'eil  ni  sam  bith  nuadh  fo'n  ghrein." 
Ann  an  dachaidhean  diadhaidh  an  diugh 
fhathast,  far  a  bheil  garadh  air  a  chur  timchioll 
na  cloinne  o'n  oige,  gheibhear  balaich  a  bheir 
dulain  d'  an  diithchas  agus  d'  an  oilean,  agus 
a  dh'  fhasas  suas  am  measg  chaich  cho  mi- 
naomh  ri  Esau.  A  dh'  aindeoin  gach  cothrom 
a  f  huair  iad,  cha  do  rinn  am  BiobuU  no  sacram- 
aidean,  an  eaglais  no  an  sgoil-Shabaid,  aoradh 
no  iirninghean,  an  driiidheadh  a  bu  lugha  air 
an  inntinnean  no  air  an  anamanna.  Tha  mar 
gu'm  bitheadh  pios  d'  an  cridhe  gun  fhair- 
eachadh  air  bith  ann,  air  chor  agus  nach 
gluais  gairm  an  t-soisgeil  iad  mar  a  ghluaiseas 
i  daoine  eile.  Tha  an  fhaiUng  so  annta  gu 
nadurra  ;  tha  an  cridheachan  gu  nadurra  mar 
gu'm  biodh  criadh  ruighinn  laidir  nach  gabh 
treabhadh  no  cliathadh,  agus  nach  gabh  ri 
siol  na  rioghachd.  Sin  an  seorsa  dhaoine  a  tha 
mi-naomh  gun  fhios  dhaibh  fein  ;  cinnich 
nadurra  a  tha  cho  talmhaidh  ris  an  talamh 
fhein  ;  fada  fada  o  rioghachd  Dhe. 

Is  ann  air  an  son-san  a  tha  eachdraidh  Esau 
air  a  sgriobhadh  anns  a'  Bhiobull  agus  is  ann 
riusan  a  tha  Facal  an  Tighearn  a'  labhairt,  Ciod 
an  tairbhe  do  dhuine,  ged  chosnadh  e  an  saoghal 
gu  h-iomlan,  agus  'anam  a  chall. 


Aig  an  Uinneig 


Urram  do  mhinistear  Gaidhealach 

THA  sinn  toihchte  a  chluinntinn  gu  bheil 
Oilthigh  Obar  Dheadhain  a'  dol  a  thoirt 
D.D.  do'n  Urramach  Donnchadh  Mac  Leoid, 
M.A.,  ann  an  Tairbeart  na  Hearadh.  Ged  nach 
aithne  dhomhsa  Mghr.  Mac  Leoid  na's  fhearr 
na  gu'n  do  thachair  sinn  air  a  cheile  uair-eigin  o 
chionn  bhliadhnachan,  tha  mi  eolach  air  a  ghne 
agus  air  obair  le  bhi  a'  cluinntinn  uime  o 
mhinistearan  eile,  is  tha  fhios  agam  gu  bheil 
e  'n  a  dhuine  ciiiin,  sitheil,  agus  'na  fhear- 
teagaisg  as  fhiach  eisdeachd  ris  le  aire,  air 
sgath  nan  nithean  nuadh  a  bhios  e  a'  toirt  a 
mach  a  Facal  an  Tighearna.  Bheir  an  onoir  so 
a  tha  e  ri  fhaotainn  toileachadh  d'a  bhraithrean 


uile,  agus  cha  chuir  i  farmad  no  diomb  air  gin 
dhiubh. 

Fear-Chanaidh 

Anns  na  seann  laithean  bha  iiidh  aig  cuid 
de  na  tighearnan  Gaidhealach  ann  an  litreachas 
an  duthcha,  is  bha  cuid  dhiubh  'n  an  deagh 
sgoilearan  Gaidhlig,  ach  an  diugh  chan  'eil  ach 
gle  bheag  de  na  tighearnan  Gaidhealach  as 
urrainn  Gaidhlig  a  bhruidhinn. 

Ach  tha  aon  fhear-fearainn  6g  a  tha  'n  a 
sgoilear  maith,  Iain  Latharna  Caimbeul,  tigh- 
earn Chanaidh,  a  chuir  a  mach  ann  an  1933 
Duain  Ghaidhealach  mu  Bhliadhna  Thearlaich. 
Tha  an  leabhar  so  fior  mhaith.     Tha  na  Duain 


AIG  AN  UINNEIG 


agus  na  h-Orain  air  an  tionndadh  gu  Beurla, 
is  tha  gach  fiosrachadh  mu  na  baird  agus  m' 
an  obair  a  bhios  feumail  do'n  luchd-leughaidh 
air  a  thoirt  dhaibh  gu  h-ordail  agus  gu  grinn  ; 
chan  e  mhain  mu  na  baird  mhora,  Mac  Mhaigh- 
stir  Alasdair  agus  Iain  Ruadh  Stiiibhard,  ach 
mu  fheadhainn  bheaga  nach  robh  cho  ainmeil, 
agus  air  nach  'eilear  cho  eolach. 

Bhuaith  sin  chuir  Mghr.  Caimbeul  a  mach 
leabhar  beag  no  dha  eile.  An  1936  dheasaich 
e  air  son  a'  chlodh  Orain  Ghaidhlig  le  Seonaidh 
Caimbeul,  Uidhisteach  a  rinn  moran  oran  air 
iomadh  cuspair,  aotrum  agus  trom.  Tha  cuid 
mhaith  de  na  h-6rain  so  tugaideach  agus  aigh- 
earach,  is  chan  'eil  teagamh  nach  robh  iad  'n  an 
ceol-gaire  air  iomadh  conihdhail  an  Uidhist.  Ach 
is  e  an  rud  as  annasaiche  anns  an  leabhar  uile 
gu  leir  nach  'eil  na  h-6rain  air  an  sgriobhadh 
ann  an  cainnt  nam  maithean  ach  ann  an  cainnt 
nam  mithean  ;  nach  'eil  iad  air  an  sgriobhadh 
ann  an  cainnt  litreachail  nam  bard  agus  nan 
sgoilearan,  ach  ann  an  cainnt  bhriste  an  t- 
sluaigh.  Mar  so  tha  f  ior  bhlas  Gaidhlig  Uidhist 
air  an  leabhar,  is  cumaidh  e  air  chuimhne  an 
doigh  anns  a'  bheil  muinntir  Uidhist  a'  fuaim- 
neachadh  na  Gaidhlig  anns  an  hnn  so. 

An  uiridh  chuir  e  an  clodh  Sgeul  an  Draoidh 
eile,  a  bha  air  a  sgriobhadh  an  1895  le  diadhair 
ainmeil  an  America,  agus  air  a  tionndadh  gu 
Gaidhhg  le  E.  G.  Mac  Fhionghuin,  a  bha  'n  a 
fhear-deasachaidh  a'  phaipeir  Mac  Talla,  an 
Canada.  Sgriobh  Mghr.  Caimbeul  facal-toisich 
anns  an  leabhar  so,  is  tha  e  furasda  fhaicinn 
o'n  duilleig  no  dha  a  sgriobh  e  gu  bheil  e  suas 
ri  Gaidhlig  a  sgriobhadh. 

An  toiseach  na  bliadhna  so  chuir  e  a  mach 
leabhar  beag  eile  nach  'eil  a'  cosd  ach  da  thas- 
dan,  Sia  Sgialachdan,  a  fhuair  e  ann  an  Uidhist 
agus  ann  am  Barraidh.  Tha  na  naidheachdan 
air  an  sgriobhadh  anns  an  doigh  bhriste  anns 
am  bi  an  sluagh  a'  bruidhinn  na  Gaidhlig,  ach 
ged  is  ann  'n  a  cheart  dheoin  a  rinn  Mghr. 
Caimbeul  so,  chum  gu'm  faiceamaid  ciamar  a 
tha  a'  Ghaidhlig  air  a  bruidhinn  anns  an  Eilean 
Fhada,  b'  fhearr  leam  na  sgeulachdan  fhaicinn 
ann  an  deise  eile.  Chan  abair  mi  gu  bheil  an 
doigh  so  cearr,  ach  gu  dearbh  cha  toigh  leam 
i.  Theagamh  gu  bheil  e  chum  buannachd  do' 
na  daoine  aig  a  bheil  iiidh  ann  an  phonetics 
fhaicinn  no  chluinntinn  ciamar  a  bhios  Mairi 
Nic  Dhomhnuill  Eoghain  a'  bruidhinn  Gaidhlig, 
ach  mar  is  dliiithe  a  chumas  sinn  ar  cainnt 
uasal  ri  nos  nan  sgoilearan  agus  nan  seana 
bhard,  is  ann  is  fhearr.  Bu  mhor  am  beud 
gu'n  tigeadh  a'  chainnt  uasal  liomhta  a 
labhair  Padraig  agus  Calum  Cille  agus  Mac 
Mhaighstir  Alasdair  gu  ire  cho  bochd  ri  fiadh- 
chainnt  nam  mithean. 

Ach  chan  'eil  moran  dhaoine  d'a  aois  an 
Albainn  an  diugh  a  tha  cho  dealasach  air  taobh 
na  Gaidhlig,  no  'na  sgoilear  Gaidhlig  cho 
maith,  ri  Iain  Latharna  Caimbeul. 


Sguaban  eile  a  sabhal  Mhic  Gille  Mhicheil 

Bho  chionn  ghoirid  fhuair  mi  bho  charaid  6g, 
Seumas  Mac  Gille  Mhicheil  Watson,  M.A., 
ard  fhear-teagaisg  na  Gaidhlig  an  Oilthigh 
Dhiin-eideann,  leabhar  beag  a  bha  air  a  chur 
a  mach  le  Comunn  ann  an  siorramachd  York, 
an  Sasunn,  aig  a  bheil  iiidh  ann  an  canainean 
agus  ann  an  eachdraidh  nan  Ceilteach.  "  Sasun- 
nach  a  mhuinntir  Mhuile  is  Gaidheal  a  mhuinn- 
tir  York,"  da  rud  neonach. 

Tha  cnaimh  no  dha  eile  anns  an  leabhar  bheag 
so  a  bheir  cagnadh  do  dhaoine  aig  a  bheil 
fiaclan  laidir  air  an  son,  ach  is  e  an  greim-beoil 
a  b'  fhearr  a  chord  riumsa  na  rannan  boidheach 
a  chuir  Seumas  Mac  Gille  Mhicheil  Watson 
fhein  ann  as  a'  chomh-chruinneachadh  a  rinn 
a  sheanair,  Alasdair  Mac  Gille  Mhicheil,  LL.D. 

Chan  fhacas  duine  eile  riamh  anns  na  h- 
Eileanan  aig  an  robh  an  ealain  a  bha  aig  Alas- 
dair Mac  Gille  Mhicheil  air  cearcall  oir  a  chur 
mu  cheann  nan  daoine  ris  an  do  rinn  e  seanchas, 
agus  o'n  d'fhuair  e  laoidhean,  no  sgeulachdan, 
no  ubagan.  Na'n  toisicheadh  tusa  no  mise  air 
innseadh  mu  Mhor  Nic  Neill,  am  Barraidh  ;  no 
mu  Pheigidh  Nic  Carmaig,  an  Uidhist  ;  no  mu 
Mhurchadh  Mae  an  Deoir,  an  Arasaig,  cha 
bhiodh  ar  n-innseadh  ach  lom  is  truagh,  ach 
'nuair  a  thoisicheas  Alasdair  Mac  Gille 
Mhicheil  air  bruidhinn  umpa,  saoilidh  tu  gu 
bheil  thu  a'  leughadh  Homer,  no  leabhar  Rut 
anns  a'  BhiobuU. 

"  Ri  linn  m'athar  agus  mo  mhathar,"  arsa 
Mor,  "  cha  robh  fear  am  Barraidh  nach  toireadh 
dheth  a  bhoineid  do  ghrein  ghil  nam  buadh, 
no  bean  am  Barraidh  nach  claonadh  a  colann 
do  ghealach  ghil  nan  trath.  Cha  robh,  a  luaidh, 
fear  no  bean  am  Barraidh."  Nach  coma  dhuit 
CO  dhiu  is  e  Mor  Nic  Neill  a  tha  a'  bruidhinn, 
no  Alasdair  Mac  Gille  Mhicheil  ;  tha  bias  na 
meala  air  an  t-seanchas. 

Failt  ort  fein,  a  ghealach  iir, 

ailleagan  lull  nan  speur  ; 
Failt  ort  fein,  a  ghealach  iir, 

ailleagan  fionn  na  feill. 

Gu  ma  geal  do  sholus  dhomh, 
Gu  ma  reidh  do  thurus  dhomh, 
Ma's  math  do  thoiseach  dhomh, 
Seachd  fearr  do  dheireadh  dhomh, 
A  ghealach  iir  nan  ti-ath, 
A  lochrain  mh6ir  nan  gras. 

Am  fear  a  chruthaich  thusa, 

Chruthaich  e  mise  os  barr. 

Am  fear  thug  dhuitsa  seagh  is  solus. 

Thug  e  dhomhsa  beath'  is  bas, 
A  lochrain  mhoir  nan  gras 
A  ghealach  gheal  nan  trath. 

Chan  'eil  an  so  ach  aon  sop  as  na  sguaban  a 
tharruing  Mghr.  Watson  a  stor  a  sheanar  ;  tha 
na  chuir  e  sios  anns  an  leabhran  so  maith  gun 
teagamh. 


Aireamh 


5 


939 


Seann  duine  glic 

"  A  nis  bha  Barsillai  'n  a  dhuine  ro  shean,  ceithir  fichead  bliadhna  dh'  aois.'' — 2  Samuel  xix.  32. 


AN  uair  a  bha  an  t-Ollamh  Maclain  aim  an 
l\-Co\\a  thadhaill  e  air  ministear  na  sgireachd, 
Eachann  Mac  Gill  Eathain,  seann  duine  a  bha 
an  da  chuid  'na  sgoilear  agus  'na  dhiadhair. 
Chuir  e  ionghnadh  air  an  Ollamh  Shasunnach 
duine  cho  ionnsaichte  ris  a  bhi  'na  mhinistear 
Cleireachail  ann  an  eilean  iomallach.  Bha 
seanchas  eatorra  niu  bheachdan  dhiadhairean, 
is  bha  ministear  Cholla  gu  maith  trom  air 
daoine  a  bha  e  an  diiil  a  l)ha  a'  teagasg  nithean 
neo-fhallan.  Cha  do  mhi-chord  so  idir  ris  an 
Ollamh  mhor,  agus  is  e  a  thubhairt  e  an  deidh 
laimhe,  "  An  uair  a  ruigeas  duine  tri  fichead  's 
deich  tha  an  t-am  aige  a  bhi  suidhichte  'na 
bheachdan  agus  'na  bheatha." 

Agus  nach  mo  gu  mor  a  tha  an  t-am  aig 
duine  a  rainig  ceithir  fichead  a  bhi  suidhichte 
agus  stolda  ! 

A  reir  choslais  bha  Barsillai  mar  sin,  suidh- 
ichte 'na  bheachdan  agus  'na  bheatha  ;  agus 
suidhichte  'na  dhilseachd  do'n  righ  cuideachd. 
Cha  ghabhadh  e  carachadh,  no  a  thionndadh  a 
null  no  a  nail.  Bha  fhios  aige  ciod  na  nithean 
a  bha  'n  am  beatha  da  spioi'ad,  is  cha  deal- 
archeadh  e  viu  air  son  an  t-saoghail. 

Dh'  iarr  Righ  Daibhidh  air  'na  sheann  aois 
dol  a  dh'  fhuireach  'na  liichairt  fein  an  Jerus- 
alem, urram  mor  gun  teagamh.  Ach  dh'  iarr 
Barsillai  air  a  lethsgeul  a  ghabhail,  a  chionn  gu 
robh  e  a  nis  ro  shean  air  son  atharrachadh  mor 
de'n  t-seorsa  ud  'na  bheatha.  "  Fanaidh  mi 
ann  am  bhaile  fein.  laimh  ri  uaigh  m'  athar  agus 
mo  mhathar,"  ars  esan,  oir  bha  fhios  aige  nach 
b'  fhada  gus  an  tigeadh  a'  chrioch  air  fein. 

Gach  ni  'na  thrath 

Duine  glic  gun  teagamh  ;  is  e  nithean  de'n 
t-seorsa  so  a  dhearbhas  gliocas  dhaoine.  An  ni 
a  bhiodh  freagarrach  gu  leor  dhuinn  a  dhean- 
amh  aig  aon  am  d'ar  beatha,  theagamh  nach 
biodh  e  idir  freagarrach  dhuinn  aig  am  eile. 
Tha  e  fada  na's  miosa  gu'm  biodh  ceann  aotrum 
air  seann  duine  na  gu'ni  biodh  seana  cheann  air 
balach  6g.  Chan  'eil  an  ceann  liath  'na  choron 
gloire  mur  faighear  e  ann  an  slighe  na  firean- 
tachd.  Ma  gheibhear  e  ann  an  slighe  na 
faoineis,  no  am  measg  dhaoine  faoine,  tha  e  'na 
shealladh  muladach. 

An  uair  a  tha  tri  trianan  de  bheatha  duine 
seachad  tha  fichead  rud  nach  fhiach  dha  a 
dheanamh  tuilleadh,  no  miann  a  bhi  aige  orra  ; 
chan  fhiach  dlia  posadh ;    chan  fhiach  dha  a 


chrannchur  no  obair  atharrachadh  ;  chan 
fhiach  dha  dol  do  Pharlamaid,  no  do  Chomh- 
airle  na  siorramachd,  agus  ma  theid  e  ann  is  e 
an  fhaoineas  a  tha  'ga  chur  ann,  no  faoineas  a 
mhnatha,  no  uabhar  na  beatha.  An  uair  a 
iTugeas  duine  tri  fichead  tha  an  t-am  aige  an 
aire  mhaith  a  thoirt  air  fhein  agus  air  anam 
fein  ;  air  a  theaghlach  ;  agus  air  a  chairdean  ; 
agus  air  obair  air  a  bheil  e  a'  deanamh  dear- 
maid,  gun  a  shiiilean  a  bhi  an  iomallaibh  na 
talmhainn  ;  tha  an  t-am  aige  a  thigh  a  chur 
an  ordugh  agus  a  bhi  a'  cuimhneachadh  nach  e 
an  saoghal  so  ionad  a  thaimh. 

Is  maith  an  comharradh  e  air  duine  a  bhi 
miiirneach  m'a  chuideachd  fein.  "  Fanaidh 
mi,"  arsa  Barsillai  laimh  ri  uaigh  m'  athar  agus 
mo  mhathar."  Coma  leat  an  seorsa  dhaoine  a 
tha  na's  aoibheile  agus  na's  geanaile  anns  gach 
cuideachd  eile  na  tha  iad  aig  an  teine  fein  ; 
coir  agus  bruidhneach  a  muigh  ris  na  coigrich, 
ach  greannach  agus  dur  a  stigh  ri  an  cuideachd 
fein. 

Urram  do  pharantan 

Is  maith  an  comharradh  e  air  duine  cuid- 
eachd a  bhi  cuimhneachail  air  a  pharantan  a 
tha  marbh,  urram  a  thoirt  do'n  chladh  anns  a 
bheil  iad  tiodhlaichte,  agus  meas  a  bhi  aige  air 
an  uaigh  anns  a  bheil  an  duslach.  Ach  tha  gu 
leoir  de  dhaoine  nach  do  sheall  air  uaigh  an 
athar  agus  am  mathar  o  na  thiodhlaic  iad  an 
t-aon  mu  dheireadh  dhiubh  o  chionn  fichead 
bliadhna,  agus  aig  nach  'eil  fhios  c'aite  a  bheil 
i,  mur  bheil  clach  aig  a  ceann,  an  uair  a  dh' 
fheumar  a  fosgladh  as  iir.  Chan  abrainn  gu 
bheil  na  daoine  so  a'  coimhead  na  h-aithne, 
"  Thoir  urram  do  t'athair  agus  do  d'  mhathair." 
Tha  an  cairdeas  mar  a  chumar  e,  is  dhearbh 
Barsillai  do  Dhaibhidh  gu  robh  e  'na  charaid 
agus  'na  sheirbhiseach  dileas  dha.  An  uair  a 
rinn  Absalom  ceannairc  an  aghaidh  athar,  agus 
a  bha  Daibhidh  air  faondradh  am  Mahanaim, 
thug  Barsillai  agus  dithis  eile  biadh,  agus  deoch, 
agus  gach  goireas  eile  air  an  robh  feum  aca, 
dha  fein  agus  d'a  fheachd.  Cha  robh  eagal 
air  taobh  an  righ  a  ghabhail  ann  an  laithean 
anns  an  robh  e  air  a  shaoilsinn  cunnartach  sin 
a  dheanamh.  Sheas  e  gu  dileas  air  taobh  na 
corach,  gun  aon  smuain  air  buannachd  no  comh- 
fhurtachd  dha  fein.  An  uair  a  bha  daoine  eile 
air  bhogadan,  a'  feitheamh  gus  am  faiceadh  iad 
c6  Icis  a  bha  an  la  a'  dol,  cha  do  chuir  an  seann 


2 


SEANN  DUINE  GLIC— ANNS  A'  CHATHAIR 


duine  so  a  chomhairle  ri  full  no  ri  feoil  ;  sheas  e 
gu  daingean  ri  gualann  Dhaibhidh,  aon  iingta 
Dhe.  Cha  do  rinn  e  lethsgeul  gu  robh  e  ro 
shean,  no  gu'm  fagadh  e  ciiis  an  righ  an  lanihan 
dhaoine  a  b'  oige. 

Cridhe  blath 

Bha  meas  agus  gaol  aige  air  Daibhidh  a 
chionn  gu'm  b'e  Daibhidh  aon  iingta  Dhe, 
duine  anns  an  robh  tlachd  an  Tighearna,  a  dh' 
aindebin  a  lochdan.  Ma  tha  eagal  an  Tighearn 
ann  ad  chridhe  fein  bithidh  baigh  agad  ris  na 
h-uile  dhaoine  air  a  bheil  eagal  an  Tighearn. 

Nochd  Barsillai  a  ghradh  do'n  righ  le  cobhair 
a  dheanamh  air  'n  a  fheum.  .  .  "  Bha  mi 
acrach,  agus  thug  sibh  dhomh  biadh  ;  bha  mi 
tartmhor,  agus  thug  sibh  dhomh  deoch,  ..." 
"  Ma  bhitheas  brathair  no  piuthar  lomnochd, 
agus  a  dh'  uireasbhuidh  bidh,  agus  gu'n  abair 
neach  agaibh  riu,  Imichibh  an  sith,  bithibh  air 
bhur  garadh,  agus  bithibh  air  bhur  sasuchadh, 
gidheadh  nach  toir  sibh  dhaibh  na  nithean  sin 
a  tha  feumail  do'n  chorp,  ciod  an  tairbhe  tha 
ann  ?  "  Is  e  aon  de  thoraidhean  a'  chreidimh, 
agus  aon  de  chomharraidhean  na  diadhaidh- 
eachd,  cridhe  truacanta.  Agus  ma  tha  do 
chridhe  truacanta,  bithidh  do  lamh  fialaidh,  a 
reir  do  chomais. 

Ach  ma  bha  Barsillai  coibhneil  e  fein  fhuair 
e  a  dhuais  gu  pailt  o  Dhaibhidh  ;  torahas 
maith  agus  air  a  dhinneadh.  "  Phog  an  righ 
Barsillai,  agus  bheannaich  se  e."     Beannachd 


nan   naomh,  agus  beannachd   nam   bochd,  sin 
da  rud  as  fhiach  do  dhuine  a  bhi  aige. 

Bha  Barsillai  cho  iriosal  's  a  bha  e  dileas  agus 
coir.     Chuir  e  ionghnadh  mor  air  gu'n  iarradh  , 
an  righ  air  a  leithid-san  dol  a  dh'  fhuireach\ 
comhla  ris  an  Jerusalem,  is  thubhairt  e,  "  Car 
son   a   dhioladh   an   righ   sin   dhomhsa.   .   .   ?  " 
Mar  gu'n   abradh    e.  Car  son  a  gheibhinn-sa   ! 
duals  cho  mor  air  son  seirbhis  cho  beag  ?     Sin 
agad  irioslachd  nan  naomh.     "  An  sin  freag- 
raidh  na  fireanan,  ag  radh,  A  Thighearna,  c'uin 
a  chunnaic  sinn  acrach  thu,  agus  a  bheathaich 
sinn  thu,   no   tartmhor.  .  .  .  Agus  freagraidh 
an  Righ,  agus  their  e  riu,  a  mheud  's  gu'n  do 
rinn  sibh  e  do  aon  de  na  braithrean  as  lugha 
agam-sa,  rinn  sibh  dhomhsa  e." 

Eadhon  an  deidh  a  bhais  bha  teaghlach 
Bharsillai  a'  faotainn  bheannachdan  air  sgath 
an  athar.  Beannaichidh  ionracas  an  fhirein  a 
shiol  'na  dheidh.  Air  leabaidh  a  bhais  thug 
Daibhidh  aithne  do  Sholamh  a  bhi  coibhneil  ri 
teaghlach  a  sheana  charaid,"  Nochd  coibhneas," 
ars  esan,  "  do  mhacaibh  Bharsillai."  Bheir  an 
coibhneas  a  gheibh  thu  air  sgath  t'  athar 
barrachd  toileachaidh  dhuit  na'n  coibhneas  a 
gheibh  thu  air  do  sgath  fein  ;  co  dhiu  is  e  sin 
m'  fhiosrachadh-sa. 

Is  sona  na  daoine  a  tha  ag  abuchadh  ann  an 
deireadh  an  laithean  ann  an  gliocas,  ann  am 
faidhidinn,  agus  ann  an  eagal  an  Tighearna  ; 
tri  nithean  a  chuireas    maise   air   an   t-seann 


t 


Anns  a'  Chathair 


AN  uair  a  bha  Sir  Walter  Raleigh,  agus  e 
^anns  a'  phi-iosan,  a'  sgriobhadh  "  Eachdraidh 
an  t-Saoghail  "  leig  e  am  peann  as  a  laimh  aon 
la,  is  thoisich  e  air  beachd-smuaineachadh  air 
cho  duilich  's  a  tha  e  an  fhirinn  aithne  ach  a  dli, 
no  dealachadh  a  chur  eadar  i  agus  a'  bhreug. 
Am  feadh  's  a  bha  e  a'  beachd-smuaineachadh 
mar  sin,  thug  e  siiil  air  an  uinneig  bhig  a  bha 
air  an  t-seomar  chumhann  anns  an  robh  e  'n  a 
shuidhe,  is  faicear  aig  bonn  na  h-uinneig  an 
taobh-a-muigh  duine  a'  bualadh  duine  eile  air 
an  robh  coslas  Maidseir-airm.  Tharruing  am 
Maidsear  a  chlaidheamh  as  an  truaill,  is  shath 
e  e  ann  an  corp  an  fhir  eile,  ach  m'  an  do 
thuit  e,  no  m'  an  do  chaill  e  a  mhothachadh, 
thug  e  sgailc  do'n  Mhaidsear  air  muUach  a 
chinn  le  bata  garbh  faobach  a  bha  'n  a  laimh. 
Thuit  an  dithis  gu  talamh  aig  an  aon  am  ; 
am  Maidsear  agus  e  air  a  thiir  a  chall,  agus  am 
fear  eile,  marbh  gun  sgrid.  An  sin  thainig 
gearrd  a'  bhaile,  is  thug  iad  leo  am  Maidsear 
agus  an  duine  marbh. 

Fianuis  nan  sul 
An   ath  latha  thainig  caraid  dha  a  steach 
do'n  phriosan  a  dh'  fhaicinn  Sir  Walter  Raleigh, 


is  dh'  innis  Sir  Walter  dha  mar  thachair  an  de, 
ach  an  uair  a  chriochnaich  e  an  naidheachd, 
thubhairt  a  charaid  ris,  "  O,  chan  ann  mar 
sinTair  a  bha  ;  chan  e  Maidsear — airm  a  bha 
anns  an  duine  aig  an  robh  an  claidheamh  ach 
gille-coise  ann  an  teaghlach  fear-ionaid  Righ 
na  Spainnte.  B'  esan  a  thug  a'  cheud  bhuille 
do'n  fhear  eile,  co-sheirbhiseach  anns  an 
teaghlach  uasal  anns  an  robh  iad  le  cheile  a' 
frithcaladh,  agus  b'  ann  'n  a  chorp-san  a  bha  J 
an  claidheamh  air  a  shathadh  leis  an  fhear  eilej 
m'  an  robh  iiine  aig  gin  de  na  daoine  a  bha 
timchioll  dol  's  an  eadraginn.  Ach  thu£ 
duine-eigin  dhiubh  straic  de  bhata  a  bha  'ng 
laimh  do'n  nahortair  anns  an  dol  seachad,  i^ 
leag  e  e." 

Gabh  mo  lethsgeul,"  arsa  Sir  Walter,  "  ach 
cha  d"  iimseadh  an  naidheachd  dhuit  ceart  ; 
chunnaic  mise  le  mo  shiiilean  fein  mar  a 
thachair  an  rud,  is  tha  mi  cinnteach  nach  do 
mheall  mo  shiiilean  mi." 

"  A  charaid  ghaolaich,"  ars  am  fear  eile, 
"  bha  mise-^na  bu  dliiithe  dhaibh  na  bha  thusa ; 
bha  mi  'n  am  shuidhe  ceart  laimh  riu,  agus  sin 
agad  air  mo  ghruaidh  fhathast  gearradh  beag 
a  bha  air   a  dheanamh   oirre   an   uair   a  dh' 


ANNS  A'  CHATHAIR 


fheucli  mi  ris  a'  chlaidheamh  a  spionadh  a 
lanih  a'  mhoi'tair.  Bheirinn  mo  mhionnan 
o'u'm  faca  mi  a  h-uile  rud  a  thachair  gu  soilleir." 
An  Tiair  a  bha  Sir  Walter  Raleigh  leis  fein, 
an  deidh  d'a  charaid  falbh,  thoisich  e  air 
sgriobhadh  a  ris,  ach  bha  e  duilich  dha  inntinn 
a  shocruchadh  air  na  bha  e  a'  sgriobhadh. 
Thubhairt  e  ris  fein,  "  Mur  creid  mi  mo  shuilean 
fein,  ciamar  is  urrainn  dhomh  a  bhi  cinnteach 
mu  nithean  a  thachair  ceudan  bliadhna  air 
ais  ?  "  An  sin  thilg  e  na  duilleagan  a  bha  e  a' 
sgriobhadh  anns  an  teine. 

Ceistean  leanabail 

Tha  so,  a  leughadair,  a'  togail  ceist  no  dha 
air  am  bi  mise  gle  thric  a'  cnuasachadh  'n  am 
inntinn  fhein,  agus  gu  sonruichte  a'  cheist  so, 
Ciod  i  an  f  hirinn  ?  Tha  e  coltach  gu  robh  cuid 
mhaith  fhianuisean  an  lathair  a  chunnaic  ciod 
a  thachair  an  la  ud,  agus  saoilidh  mi  nach 
bitheadh  e  eu  -  comasach  ruighinn  air  an 
fhirinn  na'n  robh  iad  uile  air  an  ceasnachadh. 
A  thaobh  chuisean  a  chi  an  t-suil,  no  a  chluinneas 
a'  chluas,  chan  'eil  doigh  as  fhearr  air  an 
fhirinn  fhaotainn  a  mach  na  gu'm  biodh 
fianuisean  air  an  ceasnachadh  ann  an  ciiirt- 
lagha  le  daoine  geura  ann  an  lathair  breithimh 
a  tha  cleachdta  ri  bhi  a'  cur  dhaoine  agus  am 
briathran  air  a'  mheidh.  Ach  a  thaobh  nan 
nithean  a  thachair  o  chionn  fhada,  na  nithean 
a  leughas  tu  ann  an  leabhraichean,  no  na 
nithean  a  leughas  tu  anns  a'  BhiobuU,  cha 
ghabh  sin  deanamh.  An  ni  a  tha  sgriobhta 
tha  e  sgriobhta,  is  cha  ghabh  e  atharrachadh 
ach  anns  an  t-seagh  so,  gu'?i  toir  a  h-uile  duine 
an  rud  a  thoilicheas  e  fein  as,  air  chor  agus 
nach  'eil  ann  ach  rud  leanabail  a  bhi  foighneachd 
"  Ciod  k  an  fhirinn  ?  ",  oir  chan  'eil  a  leithid  de 
ni  agus  firinn  leatha  fhein  ann,  no  firinn 
dealaichte  o  dhaoine  agus  o  inntinnean  dhaoine  ; 
chan  'eil  bith  no  beatha  aice  ach  ann  an  daimh 
ris  an  inntinn  d'a  bheil  i  a'  dol  a  steach. 

Mar  sin  chan  'eil  e  ach  leanabail  dhuinn  a 
bhi  a'  foighneachd  cuid  de  na  ceistean  a  bhios 
sinn  a'  foighneachd  ; 

A  bheil  so  f  lor  ? 

A  bheil  cf,  h-uile  rud  an  dara  cuid,  f  lor  no  breugach, 

ceart  no  cearr. 
An.  e  duine  flrinneach,  duine  nach  innis  rud  air 

bith  ach  rud  a  tha  f  tor  ? 
An  e  duine  breugach  a  tha  ann  an  duine  a  dh'innseas 

naidheachdan  nach  'eil  f  lor  ? 

Sin  an  seorsa  cheistean  a  bhios  clann  a' 
farraid  ;  ceistean  a  tha  nadurra  gu  leor  do 
inntinnean  leanabail.  ach  is  coir  do  dhaoine 
a  thainig  gu  ire-duine  nithean  leanabail  a 
chur  air  chiil. 

An  t-oileanach  Tuathach 
Uair  a  bha  mi  a'  eabhail  an  aiseig  anns  an 
Dunara  air  la  blath  samhraidh  (m'  an  d'  fhag 


mi  an  Collaist)  bha  mi  'n  am  shuidhe  air  acair 
ann  am  f  ior  thoiseach  a'  bhata,  a'  leughadh  aon 
de  na  naidheachan  a  sgriobh  Sir  Walter  Scott. 
Thainig  oileanach  Tuathach  a  b'  aithne  dhomh 
far  an  robh  mi,  is  dh'  fhoighnich  e  ciod  an  leabhar 
a  bha  mi  a'  leughadh.  An  uair  a  dh'  innis  mi 
dha,  is  e  a  thubhairt  e,  "  Car  son  a  bhitheadh 
tu  a'  cur  seachad  t'tiine,  a'  leughadh  bhreug  ; 
chan  'eil  ann  an  leabhraichean  an  duine  sin  ach 
rolaistean  a  rinn  e  suas  as  a  cheann  fein  ;  cha 
do  thachair  na  nithean  a  tha  anns  an  leabhar 
sin  riamh.  " 

Bha  fhios  agam  gu  robh  an  t-oileanach 
Tuathach  cearr,  ach  aig  an  am  ud  cha  b'  aithne 
dhomh  an  fhreagairt  cheart  do'n  fhacal  a 
thubhairt  e,  is  cha  do  rinn  mi  ach  an  rud  a 
leigeil  seachad  le  freagairt  mhin  air  chor- 
eigin,  ach  na'n  abradh  duine  a  leithid  sud  rium 
an  diugh,  theirinn  ris  nach  mo  a  thachair  na 
nithean  a  tha  Criosd  ag  innseadh  ann  an 
naidheachd  a'  mhic  struidheil,  ach  air  a  shon 
sin  gu  bheil  an  naidheachd  fior.  Thug  Criosd 
na  nithean  a  chuir  e  innte,  agus  ann  an  naidh- 
eachdan eile,  as  a  cheann  agus  as  a  chridhe 
fein,  agus  chan  e  a  mhain  gu  bheil  iad  fior 
dhuinne,  ach  tha  iad  fior  do  na  h-uile  dhaoine, 
is  bithidh  gu  brath.  Gle  bhitheanta  tha  na 
nithean  nach  do  thachair  na's  fire  na  na  nithean 
a  thachair. 

Tri  naidheachdan 

An  uair  a  sheallas  mi  air  m'  ais  air  laithean 
m'oige  anns  an  sgoil  tha  cuimhne  agam  air  tri 
naidheachdan  ann  an  leabhraichean  na  sgoile 
aig  an  robh  a  cheart  bhuaidh  air  m'  inntinn  agus 
air  mo  chridhe  a  bha  aig  broin-chluich  nam 
bard  Ghreugach  air  an  t-sluagh  a  bhiodh 
a'  dol  'g  am  faicinn  ;  an  rud  ris  an  abradh 
Aristotle,  katharsis — glanadh-cridhe  is  fosgladh- 
shiil  a  bheireadh  air  daoine  an  trioblaidean 
beaga  fein  a  dhichuimhneachadh  an  lathair 
bron  na  cruinne,  no  an  lathair  nan  trioblaidean 
mora  mora  a  thainig  air  na  gaisgich. 

B'e  na  tri  naidheachdan  ud,  Uilleam  Tell  agus 
an  ubhal ;  An  cii,  Gellert  ;  agus  Bas  Eilidh  bhig, 
le  Tearlach  Dickens.  An  uair  a  bhiodh  te  de 
na  naidheachdan  sin  againn  aig  an  leasan- 
leughaidh  bha  an  la  sin  dhomhsa  mar  la  na 
Sabaid  ;  cha  bhiodh  iomradh  air  iomain  no  air 
cluich  eile  ;  bhithinn  a'  falbh  leam  fhein  agus 
a'  caoineadh.  Ged  bha  mo  chridhe  gu  maith 
cruaidh,  agus  mo  spiorad  rag  agus  ruighinn 
aig  an  am,  chuireadh  na  naidheachdan  ud 
saighead  annam  a  bheireadh  Dia  agus  mo 
lochdan  fein  'n  am  chuimhne,  gjd  nach  do 
dhiiisg  an  leasan-Biobuill  a  leugh  linn  anns  a' 
mhaduinn  aon  smuain,  maith  no  olc,  'n  am 
eanchainn.  Rud  neonach,  nach  deanadh  am 
facal  ris  an  an  abair  sinn  Facal  Dhe  an  driiidh- 
eadh  air  mo  spiorad  a  bha  air  a  dheanamh  air 
le   naidheachdan   a   theireadh   an   t-oileanach 


ANNS  A'  CHATHAIR— AN  GAOL  NACH  FAILNICH 


Tuathach  nach  robh  fior  idir  !  Tha  so  a' 
togail  na  ceiste,  "  ciod  i  an  fhirinn  ?  ",  agus  a 
togail  na  ceiste  cuideachd,  "  ciod  an  ceangal  a 
tha  eadar  guth  Dhe  agus  litir  a'  Bhiobuill  ?  " 

Uilleam  Tell 

A  chionn  nach  do  rinn  Uilleam  Tell  a  bheic 
do'n  righ  chuireadh  an  sas  e,  is  dh'  iarradh  air 
mar  pheanas  ubhal  a  sgoltadh  air  muUach  cinn 
a  mhic  le  saighead  a  thilgeadh  e  aig  astar 
sonruichte.  Leis  a'  cheud  shaighead  sgoilt  e 
an  ubhal,  ach  chunnaic  an  righ  gu'n  do  chuir 
e  saighead  eile  'n  a  chrios  m'  an  do  thilg  e  a' 
cheud  fhear,  is  dh'  fhoighnich  e  car  son  a  rinn 
e  sud.  "  Rinn,"  arsa  Uilleam  Tell,  "  air  do 
shon-sa  ;  na'n  do  mharbh  mise  mo  mhac 
chuirinn  saighead  eile  'n  ad  chridhe-sa." 

Sin  an  naidheachd  ;  bha  e  air  a  radh  gu  robh 
Uilleam  Tell  beo  ann  an  Switzerland  anns  a' 
cheathramh  linn  deug,  ach  bha  an  naidheachd 
cheudna  air  a  h-innseadh  ann  an  Denmark 
anns  an  dara  linn  deug,  is  bha  i  air  a  h-innseadh 
mu  dhaoine  eile  ann  an  Lochlann,  anns  a' 
Ghearmailt,  ann  am  Persia,  agus  ann  an 
Russia,  is  theagamh  anns  gach  duthaich  anns 
an  do  thuinich  stoc-dhaoine  nan  Arianach. 

An  cu  agus  an  leanabh 
Bha  an  cti  a  bha  aig  a'  Phrionnsa  Llewellyn 
oho  glic  agus  gu'm  faodadh  e  a  leanabh 
mic  fhagail  air  a  chiiram  anns  a'  chreathaill. 
La  araidh  air  dha  tighinn  dhachaidh  thainig 
goirisinn  'na  fheoil  an  uair  a  chunnaic  e  a' 
chreathaill  falamh,  aodach  an  leinibh  'na 
stiallan  air  feadh  an  tighe,  agus  beul  a'  choin 
dearg  le  fuil,  is  coltas  colgarra  air.  Leum  e 
ann  an  ceann  Llewellyn  gu'n  do  mharbh  agus 
gu'n  d'  ith  an  cii  am  paisde,  agus  'na  chorruich 
mharbh  e  Gellert  le  aon  sgathadh  de'n  chlaidh- 
eamh.  Ach  an  ath  mhionaid  chunnaic  e  an 
leanabh  air  chlil  na  creathaill,  gun  leon,  gun 
dochann,  agus  ann  an  oisean  eile  de'n  t-seomar 
madadh-allaidh  a  bha  air  a  mharbhadh  leis  a' 
chii,  a'  dion  an  leinibh. 


Ma  theid  thu  gu  Snowdon  ann  an  Cuimrigh 
chi  thu  uaigh  a'  choin  so  a  bha  cho  glic  agus 
cho  dileas,  ach  ma  theid  thu  do  Russia,  chi  thu 
uaigh  Ghellert  an  sin  cuideachd,  is  innsidh  iad 
an  naidheachd  cheudna  dhuit,  ach  a  mhain 
gu'm  b'  ann  leis  an  Czar  a  bha  an  cii.  Gheibhear 
an  naidheachd  so  ann  am  Persia  ;  ann  an 
China  ;  anns  an  Eadailt ;  anns  na  h-Innsibh 
an  Ear  ;  air  feadh  an  t-saoghail  uile,  is  tha  na 
h-uaighean  anns  a  bheil  Gellert  air  a  thiodh- 
lacadh  cho  lionmhor  ris  na  leapachan  anns  an 
do  chaidil  Prionns'  Tearlach. 

An  litir  lorn 

An  abair  thu  nach  'eil  an  naidheachd  fior  a 
chionn  nach  do  thachair  an  rud  a  tha  air 
innseadh  innte  ann  an  aite  sonruichte  riamh, 
no  a  chionn  gur  e  duine-eigin  de  theaghlach 
Aesop  no  de  mhic  Sholaiinh  a  rinn  i  as  a  cheann 
fein  ?  Chan  abair  idir  ;  tha  an  naidheachd  so 
fior,  is  bithidh  gu  brath,  agus  is  e  an  comharradh 
as  fhearr  gu  bheil  i  fior  gu'm  faighear  i  anns 
gach  cearn  de'n  t-saoghal,  a'  taiseachadh 
chridheachan  cruadha  agus  a'  toirt  an  lochdan 
fein  'n  an  cuimhne. 

Chan  ann  ann  an  litir  lom  a'  Bhiobuill  a 
gheibhear  am  facal  no  an  guth  a  tha  tarruing 
Dhe  agus  spiorad  mhic  an  duine  ri  cheile  ach 
ann  an  nithean  eile  anns  a'  Bhiobull  air  nach 
'eil  e  furasda  ainm  a  chur.  Ach  smuainich  ann 
ad  inntinn  fein,  a  leughadair,  is  theagamh  gu'n 
amais  thu  air  cuid  dhiubh. 

Tha  feadhainn  de  na  naidheachdan  a  bhiodh 
muinntir  na  h-eaglaise  Saoire  ag  innseadh  mu 
Mhaighstir  Lachlann,  an  Loch  Carrann,  air  an 
innseadh  mu  Chalum  Cille  agus  mu  mhanaich 
a  bha  anns  an  Eiphit  anns  a'  cheathramh  linn. 
An  abair  thu  nach  robh  na  daoine  a  bhiodh  ag 
innseadh  nan  naidheachdan  sin  firinneach  ? 
Chan  abair  idir  ;  chan  'eil  na  naidheachdan  ach 
a'  dearbhadh  gur  e  urracha  mora  am  measg  a' 
phobuill  a  bha  ann  an  Calum  Cille  agus  ann  am 
Maighstir  Lachlann,  rud  a  tha  cho  fior  ri  solus 
na  greine. 


An  gaol  nach  failnich 


THA  i.  marbh  o  chionn  fichead  bliadhna ; 
chan  'eil  duine  a  bhuineadh  dhi  a  nis  beo 
ach  aon  no  dha  de  chairdean  fada  a  mach  a 
tha  ann  an  Canada,  agus  mar  sin  faodaidh  mi 
bruidhinn  uimpe  gu  saor  air  an  duilleig  so, 
gun  oilbheum  a  thoirt  do  neach  air  bith.  Bha 
sinn  mor  aig  a  cheile  an  uair  a  bha  i  beo,  is  b' 
fhearr  leam-sa  an  lamh  dheas  a  bhi  air  a  toirt 
dhiom  o'n  uilinn  na  gu'n  abrainn  dad  cearr 
mu  Shine  Friseal,  eadhon  ged  b'  urrainn  dhomh 
sin  a  dheanamh  le  firinn,  rud  nach  urrainn. 
Bha  i  'n  a  boirionnach  uasal  gu  nadurra,  agus 
ann    am    feasgar    a   laithean    bha    an    uaisle 


nadurra    sin    air    a    criinadh    le    gliocas    agus 
faidhidinn. 

'Na  caileig  oig  phos  i  marsanta  ann  an 
Glaschu,  duine  a  bha  anabarrach  dreachmhor 
'n  a  phearsa  ach  nach  robh  idir  fo  chliii  maith 
am  measg  mharsantan  eile  anns  a'  bhaile. 
Bha  a  cuideachd,  a  bha  gu  maith  air  an  doigh, 
fada  fada  an  aghaidh  a'  phosaidh,  is  mhaoidh 
a  h-athair  nach  seasadh  e  gu  brath  'n  a  tigh 
na'm  posadh  i  Eoghan  Friseal.  Ach  ged  nach 
robh  Sine  ach  naoi  bliadhna  deug  aig  an  am 
bha  a  toil  a  cheart  cho  laidir  ri  toil  a  h-athar,  is 
ghabh  i  a  rathad  fein.     Phos  i  Eoghan  Friseal 


AN  GAOL  NACH  FAILNICH 


a  chionn  gu  robh  gaol  aice  air,  ged  nach  robh 
duine  d'a  daoine  toilichte. 

Ri  taobh  na  srulaig 

Thachair  so  iomadh  bliadhna  m'  an  do 
rugadh  mise  ;  bha  Sine  Friseal  mu  thri  fichead 
bliadhna  m'  am  faca  mi  riamh  i,  is  chan  'eil 
agam  a  dh'  eolas  air  a'  cheud  chuid  d'a  beatha 
ach  na  thog  mi  o  fhacail  a  bhiodh  i  ag  radh  an 
drasd  's  a  ris  an  uair  a  bhithinn  a'  dol  'g  a 
faicinn  'na  seann  abis.  Anns  na  laithean  sin 
bha  i  a'  fuireach  ann  an  tigh  a  cheannaich  i  dhi 
fein  air  an  diithaich,  an  deidh  do'n  duine  aice 
a  bhi  air  a  chur  's  a'  phriosan. 

Aig  ceann  mu  dheas  an  tighe  bha  sriilag 
bheag  a'  siubhal  gu  cas  agus  gu  lablirach  sios 
do'n  loch  a  bha  mu  leth-mhile  air  falbh  ;  agus 
fo  chraoibh  uinnsinn  ri  taobh  na  srulaig  bha 
suidheachan  air  am  biodh  Sine  Friseal  gu  trie 
'n  a  suidhe,  a'  figheadh  no  a'  fuaigheal,  air 
feasgair  bhlath  shamhraidh.  Bhithinn-sa  a' 
suidhe  comhla  rithe  air  an  t-suidheachan  sin, 
an  uair  a  rachainn  'g  a  faicinn.  Bha  i  gu 
maith  air  a  doigh  ;  ged  nach  robh  an  tigh  ro 
mhor  bha  i  a'  cumail  tri  searbhantan,  is  cha 
deachaidh  duine  riamh  rathad  a  tighe  gun 
bhiadh  a  bhi  air  a  thairgsinn  dha,  co  dhiubh  a 
b'  aithne  dhi  e  no  nach  b'  aithne. 

Uair  a  bha  Sasunnach  anns  a'  ghleann,  a' 
glacadh  leomann  agus  dhealain-de  le  lion  beag 
air  bata,  chaidh  e  air  iomrall  anns  a'  cheo.  Aig 
ochd  uairean  a  dh'  oidhche  chunnaic  e  solus,  is 
bhuail  e  aig  dorus  Sine  Friseal.  Thugadh  a 
steach  e  ;  bha  cathair  dha  air  a  cur  aig  bord 
na  dinnearach  aig  an  robh  bean-an-tighe 
fhathast  'na  suidhe,  ach  'nuair  a  thoisicli  an 
Sasunnach  air  innseadh  co  e,  gur  ann  a  Man- 
chester a  bha  e,  chuir  i  stad  air  ;  "  Na  h-abair 
an  corr,"  ars  ise,  "  chan  'eil  mi  air  son  fhios  a 
bhi  agam  co  thu,  no  cia  as  a  tha  thu  ;  mar  is 
lugha  is  aithne  dhuinn  mu  chach  a  cheile  is  ann 
as  fhearr,  ach  is  e  do  bheatha  fuireach  an  so 
cho  fad  's  a  thoilicheas  tu." 

Sonas  na  h-6ige 

Ged  bha  i  gaolach  air  seanchas  agus  air  a 
bhi  a'  bruidhinn  mu  chiirsa  an  fhreasdail  am 
beatha  dhaoine  is  ann  gle  annamh  a  bhruidh- 
neadh  i  uimpe  fein,  no  mu  laithean  a  h-oige. 
Thubhairt  mi  rithe  aon  la  gu  robh  mi  an  duil 
gu  bheil  daoine  na's  sona  ann  an  deireadh  am 
beatha  na  tha  iad  'n  an  oige,  ach  an  deidh  dhi 
smuaineachadh  mionaid  no  dha,  thubhairt  i 
nach  aontaicheadh  i  leam  idir.  "  Bha  mise," 
ars  ise,  "  na  bu  shoiia  an  uair  a  bha  mi  'n  am 
chaileig  na  tha  mi  an  diugh,  ach  tha  mi  an 
diugh  na's  toilichte  na  bha  mi  an  uair  a  bha  mi 
6g. 

Cha  d'  thubhairt  mise  an  corr  ;  bha  fhios 
agam  nach  b'  fhiach  na  bha  eadaruinn  argumaid 
a    dheanamh     uime,    oir     chan    'eil    ann    am 


briathran  ach  briathran  fein,  is  tha  e  duilich  a 
radh  ciod  am  mughadh  a  tha  eadar  sonas  agus 
inntinn  thoilichte.  Theagamh  nach  'eil  annta 
ach  bo  mhaol  odhar  agus  bo  odhar  mhaol. 

"  Bha  mi,"  ars  ise,  "  cho  sona  ri  uiseig  'n 
am  chaileig  anns  an  sgoil,  agus  'n  a  dheidh  sin 
an  tigh  m'  athar,  ach  mheas  mi  an  sonas  sin 
mar  asbhuan  an  coimeas  ri  nithean  eile  a  bha  a 
dhith  orm." 

"  An  uair  a  sheallas  sibh  air  'ur  n-ais  air  'ur 
beatha  an  abradh  sibh  gu  robh  e  cearr  dhuibh 
sin  a  dheanamh  ? 

"  O,  chan  abradh  idir,"  fhreagair  i,  "  cha 
robh  aithreachas  riamh  orm  a  h-uile  ni  a  bha 
agam  anns  an  t-saoghal  a  thoirt  seachad  air 
son  gaoil." 

An  ceann  greis  thubhairt  i,  "  Ma  bha  coire 
anns  an  duine  agam-sa  b'  ann  dha  fein,  agus  cha 
b'  ann  dhomhsa  ;  ach  bha  e  fein  agus  an 
saoghal  daonnan  an  aghaidh  a  cheile." 

Is  comhrag  neo-chothromach  e  do  dhuine 
air  bith  a  l)hi  a'  tapaid  'na  aonar  ris  an  t- 
saoghal,"  arsa  mise,  "  ciamar  a  chaidh  dha  ?  " 

"  Cha  deachaidh  gu  maith,"  ars  ise  ;  "  bha 
droch  chompanaich  aige  a  tharruing  air  falbh 
bhuam  e,  ach  bliadhna  m'  an  do  shiubhail  e 
thainig  e  air  ais,  agus  bha  mi  cho  sona  fad  na 
bliadhna  sin  's  a  bha  mi  a'  cheud  bhliadhna  a 
phos  sinn.  Ach  ged  nach  urrainn  mi  a  radh  a 
nis  gu  bheil  mi  sona,  tha  mi  an  diiil  gu  bheil  mi 
toilichte." 

Diu  nam  fear 

Ach  ma  bha  inntinn  thoilichte  aig  Sine 
Friseal  bha  a  bhuidheachas  sin  aice  fein  agus 
cha  b'  ann  aig  an  di'och  dhuine  ris  an  do 
cheangail  i  i-fhein  ro  6g.  Ged  a  chuir  ise 
sgleo  boidheach  air  am  beatha  phosda,  innsidh 
mise  dhuit,  a  leughadair^an  fhirinn  lom.  Cha 
robh  ann  an  Eoghan  triseal  ach  fior  dhroch 
dhuine  ;  duine  nach  robh  f  irinneach,  no  on- 
arach,  no  beusach.  Bha  e  trom  air  an  deoch  ; 
bha  brii  mhor  air  is  aodann  dearg  le  ithinnich 
is  61  ;  bha  e  tri  uairean  anns  a'  phriosan,  agus 
cho  fad  's  a  bha  e  a'  mai'santachd,  agus  a'  cur 
bathair  gu  lapan,  cha  robh  mios  anns  a' 
bhliadhna  nach  robh  marsantan  lapan  a' 
gearan  ri  Consul  Bhreatuinn  gu'n  robh  an  car 
air  a  thoirt  asda  le  marsanta  an  Glaschu. 

Ged  bha  e  dreachmhor  'na  phearsa  'na  oige 
mhill  e  a  bhodhaig  le  a  dheanadas  neo-bheusach, 
is  bha  e  cho  neo-fhallan  'n  a  aoraibh  's  nach 
robh  gin  de'n  chloinn  a  rugadh  dha  air  am 
breith  beo.  Bha  ceathrar  de  phaisdean  marbh 
aig  Sine  Friseal  m'  ah  robh  i  se  bliadhna  fichead. 

An  ceann  bhliadhnachan  dh'  fhag  e  i  uile  gu 
leir,  is  chaidh  e  a  dh'  America,  gun  aon  sgillinn 
ruadh  a  shuidheachadh  oirre,  no  beannachd 
fhagail  aice,  no  uiread  agus  innseadh flLigu 
robh  e  a'  falbh.  Cha  mho  a  sgriobh  e  riamh 
'g  a  h-ionnsuidh.     Bhiodh  gillean  de  mhuinntir 


6 


AN  GAOL  NACH  FAILNICH— ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE 


Ghlaschu  a  bha  thall  ann  an  Chicago  'g  a 
fhaicinn  air  uairean  ann  an  tighean-oil  anns  a' 
bhaile  sin,  agus  ag  innseadh  gu  robh  e  f  hathast 
beo. 

Tilleadh  an  fhogarraich 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana  bha  cuideachd 
Sine  gu  maith  air  an  doigh,  agus  m'  an  do 
shiubhail  a  h-athair  ghabh  e  an  tigh  ud  dhi  air 
an  duthaich,  is  shuidhich,e  oirre  fo  chileadairean 
suim  airgid  a  chumadht^nn  an  grinneas  agus 
ann  an  comhfhurtach^jgho  fad  's  bu  bheo  i. 
An  deidh  a  bais  bha  an  ugh  ri  bhi  air  a  reic,  agus 
leis  an  airgiod  eile,  ri  bhi  air  a  roinn  eadar  da 
thigh-eiridinn  a  bha  air  an  ainmeachadh  ann 
an  tiomnadh  a  h-athar. 

Chaidh  bliadhnachan  seachad  ;  bha  Sine 
Friseal  a'  tighinn  beo  gu  samhach  anns  an  tigh 
leatha  fein  agus  na  tri  searbhantan,  ach  aon 
la  CO  a  chunnacas  a'  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  an 
doruis  ach  am  mac  struidheil  a  chaidh  do 
Chicago.  Bha  a  cheum  mall,  agus  coslas  a' 
bhais  air,  ach  cho  luath  's  a  sheall  e  fhein  agus 
Sine  an  stiilean  a  cheile  chuir  i  a  lamhan  m'a 


amhaich.  is  ))hog  i  e.  Thainig  e  dhachaidh  a 
bhasaciiadh  ann  an  uchd  a'  chreutair  ghaolaich 
air  an  do  rinn  e  dimeas,  agus  a  chuir  e  gu  naire 
fhollaisich,  gun  aon  ruabhag  ruadh  airgid  aige, 
gini  uiread  agus  leine  r'a  chneas.  Bha  fiabhrus 
air,  is  bha  casdaich  air,  is  bha  fheoil  agus  a 
chraicionn  briste  le  creuchdan  lobhta,  ach  dh' 
altruim  is  dh'  eiridinn  i  e  gu  gaolach  le  a 
lamhan  fein  fad  bliadhna,  agus  b'e  a  bhliadhna 
sin  a   bhliadhna  bu  shona  'n  a  beatha. 


Sin  agad,  a  leughadair,  an  rud  as  coltaiche 
anns  an  t-saoghal  so  ri  gras  Dhe.  Ma  theid 
aig  creutair  peacach  air  gnionih  uasal  agus 
caomhail  mar  so  a  dheanamh,  an  e  nach  dean 
Dia  e  ?  "  Co  an  Dia  ann  a  ta  cosmhail  riutsa, 
a  mhaitheas  aingidheachd  agus  a  ghabhas 
seachad  air  easaontas  iarmad  t'oighreachd,  oir 
ar  Dia-ne  cha  ghleidh  e  a  chorruich  gu  siorruidh, 
do  bhrigh  gur  toigh  leis  trocair  ? 

Laidir  mar  am  has  tha  an  gradh  ;  chan  urrainn 
uisgeachan  Ronmhor  an  gradh  a  mhiichadh,  agus 
cha  hhath  na  tuiltean  e. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  toiseach  na  bliadhna  thug  mo  ghnothuch 
xjLmi  cho  fada  tuath  ri  lonar  Theorsa,  agus  is  e 
a'  chuimhne  as  fhaide  a  bhios  agam  air  Machair 
Rois,  mar  tha  an  duthaich  sin  air  a  gaorrnachadh 
le  faimh-thalmhainn.  Ged  b'  e  Machair  Rois 
a  bu  mhiosa  cha  mhor  nach  robh  na  chunnaic  mi 
de  lonar  Nis  agus  de  Chataibh  a  cheart  cho 
dona  ;  eadar  a'  Mhanchainn  agus  Briira  cha 
mhor  gu  robh  aon  achadh  falamh  dhiubh  ; 
miltean  air  mhiltean  de  thorran-urach  a'  cur 
mi-mhaise  air  aghaidh  na  dutheha,  agus  a' 
toirt  oilbheim  do  shiiilean  dhaoine  leis  an  toil 
sgiobaltachd  is  sgoinn.  Bha  na  fearainn 
mhora  air  am  breacadh  leis  na  torran  grannda  ud 
a  cheart  cho  maith  ris  na  fearainn  bheaga,  ged 
bhiodh  e  furasda  gu  leor  na  torran  a  sgaoileadh. 

Ach  tha  airgiod  agus  luchd-oibre  cho  gann 
air  fearann  na  Gaidhealtachd  an  diugh,  agus  air 
fearann  na  h-Alba  air  fad,  's  nach  'eil  tuath- 
anaich  a'  cumail  an  talaimh  anns  an  ordugh 
anns  am  bu  choir  e  bhi  air  a  chumail.  Ma 
chumas  tu  do  shiiilean  fosgailte,  a'  siiibhal 
troimh  chearn  air  bith  a  dh'  Albainn,  chi  thu 
gu  bheil  an  duthaich  a'  dol  a  dhith  le  droch 
thuathanachd  ;  bailtean  maith  air  an  robh  aon 
uair  tri  seisrichean  each,  agus  gun  an  diugh 
orra  ach  aon  chiobair. 

O  chionn  bhliadhnachan  tha  an  seorsa 
tuathanachd  sin  a'  fas  fasanta  an  Albainn  ; 
tuathanachd  gun  obair,  gun  dragh,  gun  chosd. 
Gabhaidh  an  tuathanach  fearann-aitich  air 
mhal  beag  ;  leigidh  e  a  mach  fo  fheur  e,  is 
cuiridh  e  caoraich  air,  ag  oibreachidh  a'  bhaile 


maith  dh'  fhaoidte  le  aon  chiSbair,  ach  ann  n^^ 
beagan  bhliadhnachan  feumar  na  caoraich 
fhein  a  thanachadh  a  chionn  gu  bheil  am  feur  air 
fas  tioram  agus  glas,  no  air  a  chur  as  an  t-seall- 
adh  uile  gu  leir  le  coinneach,  agus  rainneach, 
agus  cluarain,  agus  feanntagan,  agus  luachair. 
Is  e  an  seorsa  tuathanachd  so  mallachd  na 
h-Alba  an  diugh.  Ach  theagamh  nach  gabh 
ciiisean  ceartachadh  gus  an  gabh  Comhairle  na 
Rioghachd  uiread  ciiraim  do  thuathanachd  na 
dutheha  's  a  tha  iad  a'  gabhail  do  mharsantachd 
na  diithcha,  agus  do  chor  nan  daoine  a  tha  a' 
fuireach  air  an  duthaich  's  a  tha  iad  a'  gabhail 
do  mhuinntir  nam  bailtean  mora.  Ach  gus  an 
tiff  an  la  sin  shaoilinn  STu'm  bu  choir  do  na 
tuathanaich  fein  dicheall  a  dheanamh  air  an 
rainneach  a  tha  a'  fas  air  an  fhearann  aca  a 
chumail  sios,  agus  na  torran-urach  a  chuir  na 
faimh-thalmhainn  a  mach  a  sgaoileadh,  gun  a 
bhi  a'  glaodhach  ris  a'  Ghovernment. 

Mo  charaid  Paraig 
Ach  cha  b'  ann  air  tuathanachas  a  bha  mi  an 
diiil  bruidhinn  an  uair  a  thoisich  mi  air  mo 
sheanchas,  ach  air  gnh  agus  doighean  nam  famh. 
Tha  aon  no  dha  dhiubh  anns  a'  Choille  Bheithe 
so,  ach  ged  nach  toigh  leam  cur  as  dhaibh  uile 
gu  leir  cha  mho  is  toigh  leam  iad  a  bhi  a'  fas 
ro  lionmhor.  Mar  sin  bithidh  mi  a'  cur  fios 
air  coimhearsnach  a  tha  suas  ri  breith  orra,  ma 
thachras  gu'm  faigh  te  no  dha  dhiubh  a  steach 
do'n  lios,  agus  b'  fhearr  leam  a  bhi  ag  eisdeachd 
ri  Paraiff  aar  innseadh  dhomh  mu  sheoltachd 


ANNS  A^  CHOILLE  BHEITHE— CIOD  E  AN  SOISGEUL? 


nam  famh-thalmhaiiin  na  bhi  a'  leug-hadh  nm 
righrean  na  talmhainn.  An  rud  nach  aithne 
do  Pharaig  mu  na  faimh  chan  fhiach  e  a  bhi 
bruidhinn  air. 

Bha  mios  anabavrach  reota  againn  anns  a' 
gheamhradh  an  uiridh,  is  dh'  fhaighnich  mi 
dheth  ciamar  a  bhiodh  na  faimh  beo  ri  reoth- 
adh  cho  cruaidh. 

"  O  bithidh  gu  seasgar,"  ars  esan,  "  tha  stor 
aca  gu  maith  domhain  fo'n  talamh,  far  nach 
ruig  reothadh  orra,  agus  gu  leor  de  bhiadh  gus 
an  tig  an  aiteamh." 

"  Ciod  an  seorsa  bidh  as  fhearr  leo  ?  " 

"  Cnuimheagan  agus  durragan  "  fhreagair  e, 
"  agus  uibhean  bheisteagan  beaga  ;  feumaidh 
iad  feoil  a  bhi  aca  daonnan  ;  cha  toigh  leo 
feur  idir." 

Anns  a'  bharaille 

Bha  fhios  agam  nach  toigh  leo  luibhean  mar 
bhiadh,  oir  leugh  nai  ann  an  leabhar  a  bha  air  a 
sgriobhadh  le  Frangach  beachdail,  gur  fhearr 
le  famh  famh  eile  itheadh  seach  fiacail  a  chur 
air  luibh  a  dh'  f  has  as  an  talamh.  Tha  iad  cho 
graineach  air  vegetarianism  's  a  bha  am  fear 
nach  maireann,  Professor  Saintsburj^ 

Bha  da  fhamh  air  an  cur  comhla  ann  am 
baraille  fad  oidhche,  agus  currain  agus  cal  agus 
tuirneap  air  a  thoirt  dhaibh.  An  uair  a 
shealladh  orra  anns  a'  mhaduinn  cha  robh  aon 
ghreim  air  a  thoirt  as  a  chal,  no  as  na  currain, 
ach  bha  te  de  na  faimh  air  an  te  eile  itheadh  ; 
cha  d'  fhag  i  dhi  ach  an  craicionni  Chan  ith 
moran  chreutairean  an  seorsa  fein,  ged  a  dh' 
itheas  iad  creutairean  eile  ;  chan  ith  cii  cli  eile. 

Chan  'eil  creutair  air  an  t-saoghal  a  dh'  itheas 
uiread  ri  famh  a  reir  a  mheudachd  ;  ann  an 
ceithir  uaire  fichead  ithidh  e  dliith  air  a  dha 
chudthrom  fein.  Nach  bu  mhaith  an  stamag 
a  bhiodh  aig  mac-mathar  a  dh'  itheadh  ochd 
fichead  punnd  feola  ann  an  ceithir  uaire  fichead  ! 

An  uair  a  dh'  itheas  famh  a  shath  caidlidh  e 
eadar  ceithir  agus  se  uairean,  ach  an  sin 
duisgidh  e  air  mhire-chath  leis  an  acras,  is 
theid  e  air  an  dearg  chuthach  s:us  am  faiffh  e 
biadh,  agus  mur  faigh  e  biadh  bidh  e  marbh  an 
taobh  a  stigh  de  cheithir  uaire  fichead.  Tri  no 
ceithir  a  dh'  uairean  a  h-uile  la  tha  an  t-acras- 
cuthaich  so  a'  tighinn  air  ;  is  dia  dha  a  bhrii. 

Seolta  agus  laidir 

Chan  fhaca  mi  riamh  so  ann  an  leabhar,  is 
chan  'eil  urrainn  agam  air  a  shon  ach  mo 
charaid,  Paraig,  ach  thubhairt  e  rium  uaireii^in 


nach  bi  am  famh  a'  marbhadh  nam  beisteagan 
agus  nan  cnuimhean  a  bhios  e  a'  tional  d'a 
stor,  a  dh'  f heitheamh  air  na  laithean  reota  anns 
nach  bi  e  furasda  dha  sealg  a  dheanatmh,  ach 
gu'm  bi  e  a'  gearradh  feith  no  ?ierve  shonruichte 
ann  an  ciil  na  h-amhaich  aca,  a  bheir  bhuapa 
am  faireachadh  agus  an  gluasad.  Ma  tha  so 
fior,  CO  a  theagaisg  dha  sin  a  dheanamh  ? 

Chan  'eil  creutair  d'a  mheudachd  air  an 
t-saoghal  aig  a  bheil  guaillean  agus  casa- 
toisich  cho  laidir  i-is.  Bho  chionn  bhliadh- 
nachan  thainig  mi  air  fear  dhiubh  anns  a' 
gharadh  agus  e  a'  cur  na  h-iirach  an  uachdar  ; 
thainig  mi  air  gu  failidh,  agus  m'  an  d'  fhuair 
e  cothrom  air  teicheadh,  thilg  mi  a  mach  e  as 
an  talamh  le  spaid.  Rug  mi  beo  air,  ach  thug 
mi  an  aire  nach  sgrobadh  e  mi  le  a  spogan- 
toisich,  far  a  bheil  a  neart.  Bha  mi  air  son 
fhaotainn  a  mach  ciod  an  spionnadh  a  bha  ann, 
is  ciod  an  iiine  a  ghabhadh  e  a'  cladhach  tuill. 
Chuir  mi  sraing  m'a  theis-meadhoin,  agus  an 
sin  leig  mi  gu  lar  e  ann  an  talamh  nach  robh 
air  a  thionndadh  o  chionn  bliadhna,  ach  cho 
luath  's  a  fhuair  e  a  shron  agus  a  spogan  air  an 
talamh  bha  e  as  an  t-sealladh  m'  an  deachaidh 
mi  'n  am  fhaireachadh,  is  bha  sas  air  mo 
laimh  'g  a  chumail  air  ais,  mar  gu'm  biodh 
cii  laidir  agam  air  eill.  Cha  chreidinn  gu  bheil 
creutair  cho  beag  ris  cho  laidir. 

Sron  gaidseir 

Tha  a  chlaisteachd  agus  a  shron  anabarrach 
geur,  ach  chan  'eil  feum  mor  aige  air  fradharc, 
agus  mar  sin  chan  'eil  a  shiiilean  ach  mar  gu'm 
biodh  ciiirnean  prine,  ach  is  ciiis-eagail  na 
fiaclan  aige. 

Ged  tha  e  cronail  aig  amannan  de'n  bhliadhna 
tha  e  a'  deanamh  maith  do'n  tuathanach 
cuideachd,  a'  cumail  sios  chreutairean  eile  a 
bhiodh  na  bu  chronaile  air  fad,  agus  a'  leigeil 
air  falbh  uisge  anns  na  trannsaichean  a  tha  e  a' 
deanamh  fo'n  talamh.  Ach  tha  am  maith  sin 
air  a  chall  mur  bheil  na  torran-iirach  a  chuireas 
e  an  uachdar  air  an  sgaoileadh  gu  curamach  aig 
an  am  cheart. 

Tha  uiread  ainmean  air  an  fhamh  s  a  tha  air 
an  naosg,  ach  chan  'eil  ainm  idir  air  ann  an 
Tiriodh,  a  chionn  nach  'eil  an  creutair  fhein 
ann  ;  chan  aithne  dhuinn  e  ach  le  bhi  a'  cluinn- 
tinn  muinntir  Mhuile  agus  Latharna  a' 
bruidhinn  uinae.  Eilean  an  aigh  !,  gun  rainn- 
each,  gun  choinean,  gun  fhiadh,  tri  mallachdan 
an  tuathanaich,  agus  tri  cunnartan  na  Gaidh- 
ealtachd. 


Ciod  e  an  Soisgeul  ? 


So  an  fhreagairt  mu  dheireadh  a  chuireadh 
chugam     do'n      cheist     a      chuir      "  duine 
gun    ainm."     Tha    Facal    na   firinn    ag    radh, 


Far  nach  'eil  comhairle,  tuitidh  sluagh,  ach 
ann  an  lionmhoi'achd  luchd-comhairle  tha 
tearuinteachd."     Thug,-   sia   ministearan,   sean 


OAL 


CIOD  E  AN  SOISGEUL  ?— AIG  AN  UINNEIG 


agus  bg,  am  beachd  agus  an  comhairle  do'n 
fhear  a  chuir  a'  cheist  ;  ma  tha  e  fhathast 
iomgaineach  gu  treibhdhireach,  eisdeadh  e  gu 
h-iriosal  ris  na  tha  Spiorad  an  Tighearn  ag  radh 
ris  'na  chridhe  agus  'na  choguis  fein.  Theid 
agam-sa  agus  aig  ministeai-an  eile  air  a'  Bhio- 
bull  agus  air  firinnean  a'  Bhiobuill  a  theagasg 
do  dhaoine,  ach  is  e  an  Spiorad  Naomh  a  mhain 
a  bheir  rim-diomhair  an  Tighearna  dhaibh,  no 
a  dhiiisgeas  creideamh,  no  eagal  diadhaidh,  no 
deai'bhachd  spioradail   n  an  anam. 


Leis  an  Ollamh  Colla  Domhnullach, 
an  Lagan-mo-Choid 

Tha  mi  fo  throm  amharus  gu'm  fuasgladh 
"  duine  gun  ainm  "  a  cheist  fein  na'n  togradh 
e.  Bha  e  a'  tadhall  na  h-eaglais  gu  diehioUach 
fad  leth-cheud  bliadhna,  agus  is  truagh  a 
charadh  ma  tha  e  fhathast  gun  fhios  ciod  a  tha 
an  eaglais  a'  ciallachadh  leis  an  t-soisgeul. 

Ann  an  tiis  a  laithean  bhiodh  e  ag  eisdeachd 
mhinistearan  a  bha  a'  searmonachadh  mu 
innleachd  na  slainte  a  h-uile  Sabaid.  Tha 
cuimhne  agam  gii  math  air  an  t-seorsa.  Bu 
choma  ciod  an  ceann-tcagaisg  a  bhiodh  aca, 
bha  trian  de'n  t-searmon  mu  innleachd  na 
slainte.  Cha  robh  neach  'n  an  eisdeachd  nach 
cuala  gu'n  do  thuit  an  cinneadh-daonna  ann 
am  peacadh  Adhaimh  ;  gur  peacaich  sinn  uile 
gu  nadurra. 

Ach  cha  b'ann  air  peacadh  a  mhain  a  labhair 
na  seann  mhinistearan,  ach  air  trocair  agus 
gradh  Dhe  a  mhaitheas  peacanna  dhaoine. 
"  Ged  robh  'ur  peacanna  mar  an  scarlaid, 
bithidh  iad  geal  mar  an  sneachda."  Chan  ann 
air  sgath  ar  n-iunhlachd  ach  o  lanachd  a  ghraidh, 
an  gradh  a  dhearbh  E  an  uair  a  chuir  E  Mac 
a  Ghraidh  a  shireadh  agus  a  thearnadh  pheac- 
ach.  Ma's  toiseach  iompachaidh  aideachadh 
peacaidh,  co  a  their  nach  robh  na  seann  mhin- 
istearan ceart  ?  An  diugh  cha  leugh  thu  mu 
pheacadh  fo  cheann  gu  ceann  de'n  bhliadhna, 
agus   mur    cluinn    thu  gur  peacach    thu    'san 


eaglais  cha  chluinn  thu  idir  e.  Is  e  cho  mor 
agus  a  tha  an  aireamh  aig  nach  'eil  fios  no 
faireachadh  gur  peacaich  iad  a  tha  a'  fagail 
eaglaisean  falamh  an  diugh.  Co  an  diugh  a 
tha  air  a  leireadh  agus  air  a  ghonadh  le  peacadh 
gus  an  glaodh  e  "  och,  is  duine  truagh  mi  ! 
Co  a  shaoras  mi  o  chorp  a'  bhais  so  ?  Tha  mi' 
toirt  buidheachais  do  Dhia  tre  losa  Criosd,  ar 
Tighearna." 

Sin  agad,  fhir  gun  ainm,  seoladh  air  an  t- 
slighe — "  tre  losa  Criosd,  ar  Tighearna."  Tha 
"  duine  gun  ainm  "  a'  cur  a  cheisde  air  sheol 
eile  ;  co  dhiubh  is  e  iimhlachd  do  theagasg 
Chriosd  a  shaoras  mi  no  earbsa  anns  an 
iobairt-reite  a  thairg  E  do  Dhia  'n  am  aite  air 
Calbhari  ? 

Ann  am  bheachd-sa,  tha  earbsa  air  thoiseach 
air  umhlachd,  ach  cha  bhi  umhlachd  gu  brath 
dealaichte  bho  eai'bsa.  Is  e  umhlachd  toradh 
na  h-earbsa.  Earb  ann  an  gradh  Dhe  ann  an 
losa  Criosd,  agus  bi  umhail  do  thoil  Dhe  mar 
a  tha  i  air  a  foillseachadh  dhuit,  agus  gheibh 
thu  fuasgladh  o  chuing  a'  pheacaidh  agus  sith 
agus  sonas  ann  an  aonachd  ri  Dia. 

Tha  facal  anns  an  haidionn,  solvihir  amhidando. 
Is  e  sin,  lean  an  solus  agus  gheibh  thu  tuilleadh 
soillse  gus  fa-dheoidh  am  bris  ort  an  Solus 
neamhaidh  !na  lanachd  agus  'na  iomlanachd. 

Aon  fhacal  eile.  Cha  soilleirich  eadhon 
briathran  gach  ciiis.  Bha  fear  a'  beachdachadh 
air  dealbh,  "  Dol  fodha  na  greine  "  a  tharruing 
lamh  ghrinn  Mhic-an-Tuairneir,  agus  thubhairt 
e  "  chan  fhaca  mise  rianih  dol  fodha  na  greine 
cho  maiseach  agus  cho  glormhor  agus  a  chuir 
thusa  air  canabhas."  "  Nach  b'  fhearr  leat 
gu'm  faca  "  thubhairt  Mac-an-Tuairneir. 

Innis  do'n  dall  fad  la  agus  oidhehe  ann  am 
briathran  taghta  mu  mhaise  na  machair  uaine 
air  a  breacadh  le  ditheannan  ann  an  6g-mhi6s 
an  t-samhraidh,  ach  cha  teid  agad  air  dealbh 
a  dhiisgadh  ann  an  inntinn  an  doill.  Theag- 
anih  nach  'eil  mi  a'  toirt  comhnadh  sam  bith 
do'n  "  duine  gun  ainm  "  'na  thoireachd,  ach 
gluaiseadh  e  a  reir  toil  Dhe  agus  ann  an  spiorad 
Chriosd  agus  bidh  e  slan  leis  an  t-slainte  a  tha 
ann  an  losa  Criosd. 


Aig  an  Uinneig 


AN  drasd  's  a  ris  bithidh  mi  ag  iarraidh  air 
-^luchd-leughaidh  nan  duilleagan  so  crioman 
Gaidhlig  a  chur  chugam,  aims  am  faod  iad 
seanchas  a  dheanamh  air  cuspair  air  bith  as  aill 
leo.  Ach  ma  bhitheas,  chan  'eil  an  seanchas  a' 
tighnin,  ged  tha  aireamh  nan  daoine  as  urrainn 
Gaidhlig  a  sgriobhadh  a'  dol  am  meud  a  h-uile 
bliadhna.  Chan  'eil  an  aireamh  a  tha  'g  a 
bruidhinn  a'  dol  am  meud,  ach  tha  barrachd 
dhaoine  an  Albainn  an  diugh  as  urrainn 
Gaidhlig  a  sgriobhadh  na  bha  ann  riamh. 
An  uair  a  bhios  iasgair  seolta  ag  iasgach  le 


madhar,  mur  gabh  an  t-iasg  aon  seorsa  cuileig, 
cuiridh  e  cuileag  eile  air  an  dubhan.  Sin  mar 
tha  mise  a'  dol  a  dheanamh  a  nis  ;  cuiridh  mi 
a'  chuileag  as  fhearr  a  tha  agam  air  an  dubhan, 
an  dochas  gun  leum  cuideigin  rithe.  So  a' 
chuileag,  nia  ta,  duine  air  bith  aig  a  bheil 
naidheachd  ri  innseadh  ma  chii  fhein,  gheibh  e 
cothrom  air  a  h-innseadh  air  an  duilleig  so. 

Duine  air  bith  a  tha  a'  gleidheadh  coin,  ach  a 
tha  gun  naidheachd  aige  air  gliocas  a'  choin,  a 
dhearbhadh  gu  bheil  e  na's  giice  na  coin  eile,  sin 
agad  duine  nach  'eil  airidh  air  cii  a  bhi  aige. 


Aireamh  6 


93  9 


Gus  an  tig  am  fogharadh 


Is  Gonmhail  r'loghachd  neimh.  ri  duine  a  chuir  siol  maith  'n  a  fhearann. 


-Mata  xiii  24. 


ANN  an  cosmhalachd  a'  chogail  tha  Criosd  a' 
^teagasg  dhuinn  gun  a  bhi  ag  altrum  dochas 
faoin  mu  staid  na  h-eaglais  air  thalamh.  Bha 
iadsan  ris  an  robh  e  a'  labhairt  eolach  air  teag- 
asg  Eoin  a'  Bhaistidh,  agus  bha  cuimhne  aca 
gu'n  do  labhair  Eoin  mu'n  Mhesiah  a  bha 
teachd  'na  dheidh  mar  neach  aig  a  hheil  a  gkuit 
'na  laimh,  agus  glanaidh  e  iirlar-bualaidh,  agus 
cruinnichidh  e  a  chruithneachd  d'a  thigh-tasgaidh  ; 
ach  loisgidh  e  am  moll  le  teine  nach  feudar  a 
mhiichadh  (Mata  iii.  12). 

Bha  iad  an  duil  gu'n  tigeadh  e  le  breitheanas, 
ach  'na  aite  sin  cha  do  ghlaodh  e,  ni  mo  a  chualas 
a  ghuth  air  na  sraidibh  :  cha  do  bhris  e  a'  chuilc 
bhriiite,  is  cha  do  mhiich  e  an  lion  as  an  robh 
deatach.  Bha  fiughair  aig  na  h-Iudhaich  ri 
breitheamh,  ach  feuch  chunnaic  iad  Slanuighear. 
Bha  dtiil  aca  gu'm  biodh  an  Rioghachd  a  chuir 
e  air  chois  iomlan  ;  gu'n  cruinnichteadh  innte 
na  h-ionracain  uile,  agus  gu'n  tilgteadh  a  mach 
aisde  na  h-aingidh.  Anns  a-'  chosmhalachd  so 
thubhairt  Criosd  riu, — Tachraidh  sin,  ach  cha 
d'  thainig  an  t-am  fhathast.  Leigibh  leis  a' 
chruithneachd  agus  leis  a'  chogal  fas  comhla 
gus  an  tig  am  fogharadh,  agus  an  cuir  Mac  an 
duine  a  mach  'ainglean,  agus  an  cruinnich  iad 
an  cruithneachd  d'a  shabhal,  agus  an  tilg  iad 
an  cogal  's  an  teine. 

Cridhe  an  duine 

I.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a'  fas  taobh  ri 
taohh  an  cridhe  gach  duine  air  thalamh.  Chan 
'eil  duine  air  bith  iomlan,  is  cha  mho  a  tha  duine 
air  bith  tur  aingidh.  Anns  na  daoine  as  fhearr 
tha  iomadh  faihng,  is  anns  na  daoine  as  miosa 
tha  maitheas  air  chor-eigin.  Saoilidh  sinn 
'nuair  a  leughas  sinn  mu  dhroch  ghniomharan 
Nero  nach  robh  ann  ach  sgealb  de  Shatan,  ach 
an  deidh  a  bhais  chaidh  boirionnach  air  a' 
mheadhon-oidhche,  agus  chuir  i  fliir  air  uaigh. 
Bu  leir  dh'  ise  maith  air  chor-eigin  ann. 

Saoilidh  sinn  air  uairean  gu'n  d'  amais  sinn 
air  duine  iomlan,  duine  anns  nach  'eil  ach  smior 
a'  chruithneachd,  ach  'nuair  a  gheibh  sinn  na's 
dluithe  dha,  is  a  dh'  eisdeas  sinn  r'a  chomhradh 
ri  taobh  a'  ghealbhoinn,  chi  sinn  gu  bheil  gas 
no  dha  de  'n  chogal  ann  mar  an  ceudna.  Air 
an  laimh  eile  saoilidh  sinn  air  uairean  gu'n 
d'amais  sinn  air  diii  nam  fear,  duine  anns  nach 
'eil  dad  ach  cogal,  ach  'nuair  a  thig  sinn  na's 
dliiithe  dha,  chi  sinn  an  sud  agus  an  so  dias 
cruithneachd.     Anns  na  naoimh  as  fhearr  chan 


'eil  an  t-achadh  aig  Criosd  dhafhein  gu  buileach, 
agus  anns  na  peacaich  as  seachranaiche  chan 
'eil  e  aig  Satan.  Tha  an  cruithneachd  agus  an 
cogal  a'  fas  taobh  ri  taobh. 

Is  dana,  mata,  an  neach  a  tha  deas  gu  breith 
a  thoirt  air  daoine  eile.  Bu  choir  dhuinn  sin 
fhagail  aig  Dia.  Ma  ghabhas  sinne  gnothuch 
ri  rud  nach  aithne  dhuinn,  is  docha  gu'n  teid 
sinn  fada  cearr  ;  gu'n  toir  sinn  cuid  nan  gobhar 
do  na  caoraich.  Cha  lugha  na  Dia  fein,  a  tha 
iomlan  an  eolas,  an  caomhalachd,  agus  an  co- 
fhaireachduinn,  a  bheireadh  breith  choth- 
romach  air  rud  cho  diomhair,  do-rannsaichte  ri 
cridhe  an  duine. 

Obair  ar  lamh 

II.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a  fas  taohh  ri 
taobh  anns  a  h-uile  obair  ris  an  cuir  daoi?ie  an  lamh. 
'Nuair  a  sgriobh  Pol  gu  eaglais  Chorint  mhol  e  i 
air  son  a  h-eud,  is  thug  e  buidheachas  do  Dhia  air 
son  a  saothair  agus  a  dichioll  ann  an  seirbhis  an 
t-soisgeil,  ach  leis  an  ath  anail  thuirt  e — noch- 
dadh  dhbmhsa  gu  bheil  cbmhstri  'n  'ur  measg.  Bha 
maith  is  olc,  eud  is  comhstri,  taobh  ri  taobh 
anns  na  h-aon  daoine.  Air  cho  eudmhor  's 
'g  am  bi  seirbhisich  an  Tighearn,  is  air  cho  aon- 
sgeulach  's  'g  am  bi  iad  'nuair  a  chuireas  iad 
romhpa  toiseachadh  air  obair  anns  an  Riogh- 
achd, faodar  a  bhi  cinnteach  nach  teid  i  fad  air 
a  h-aghaidh  gus  am  bi  a  chorrag  aig  Satan  innte. 
Far  am  bi  daoine  cruinn — co  dhiu  is  buill  eaglais 
iad  no  nach  h-eadh — faodar  a  bhi  cinnteach 
gu'm  bi  farmad,  is  uabhar,  is  comhstri,  is  rait- 
eachas,  is  droch  nadur,  an  sin,  agus  iomadh  rud 
eile  nach  buin  do  Dhia. 

Tha  moran  dhaoine  ann  a  thilgeas  bhuapa 
an  obair,  ma  chi  iad  nach  'eil  an  companaich 
de  'n  aon  inntinn  riutha  fhein,  no  ma  chuirear 
iad  taobh  ri  taobh  ri  companaich  nach  cord  riu. 
B'  fhearr  leo  bhi  'n  an  tamh  seach  a  bhi  air  an 
salachadh  le  cogal.  Ach  cha  b'e  sin  inntinn 
Phoil.  Bha  comh-oibrichean  aige-san  ann  an 
aobhar  an  t-soisgeil  a  bha  maith  is  dona  :  bha 
cuid  dhiu  a'  searmonachadh  Chriosd  tre  f  harmad 
agus  cuid  eile  tre  dheagh-thoil,  cuid  tre  chonn- 
spoid  agus  cuid  eile  o  ghradh,  ach  cha  do  chuir 
sin  aon  chuid  ionghnadh  no  fearg  air  Pol,  agus 
is  e  a  thubhairt  e — "  Ciod  ma  ta  ?  Co  aca  is 
ann  an  coslas  a  mhain,  no  da  rireadh,  tha  Criosd 
air  a  shearmonachadh,  tha  mise  a'  deanamh 
gairdeachais  "  (Philip,  i.  18).  Mar  gu'n  abradh 
e  ris  na  seirbhisich    mhaith  ;    tha  fhios   agam 


2 


GUS  AN  TIG  AM  FOGHARADH 


gu  bheil  conipanaich  agaibh  a  tha  toirt  oilbheim 
dhuibh  a  chionn  gu  bheil  aniharus  agaibh  nach 
'eil  annta  ach  cogal,  ach  biodh  faidhidinn  agaibh 
agus  leigibh  leo,  giulanaibh  le  failingean  'ur 
comh-oibrichean  ann  an  sith,  oir  tha  an  obair 
fhein  na's  motha  na  na  seirbhisich. 

Faidhidinn  Chriosd 

Cha  bhiodh  ann  ach  amaideas  saoibhneas  a 
ghabhail,  agus  an  obaii*  a  thilgeil  as  ar  lamhan, 
mur  faigh  sinn  conipanaich  a  reir  ar  n-inntinn, 
agus  mur  bi  na  seirbhisich  uile  iomlan  :  ni  an 
duine  glic  a'  chuid  asfhearr  de'n  chuid  as  miosa. 
Nach  bu  truagh  cor  an  t-saoghail  na'n  do  dhiialt 
an  Slanuighear  sin  a  dheanamh  !  Thog  esan 
an  garadh  le  clachan  a  dhiiilt  clachairean  eile. 
Ghiiilain  e  le  aineolas,  is  laigse,  is  failingean 
nan  abstol,  gu  faidhidinneach.  B'e  ludas  dias 
cogail  cho  salach  agus  cho  puinnseanta  's  a  dh' 
fhas  riamh  ann  an  achadh,  ach  cha  do  spion 
Criosd  as  an  talamh  eadhon  an  dias  sin.  Cha 
do  chuir  e  ciil  ri  ludas  gus  an  do  chuir  ludas 
cul  ris.  Cha  I'obh  anns  na  h-abstoil  aig  am 
feabhas  ach  naoimh  bhochda  ;  gu  deireadh  an 
latha  bha  iad  fad  o  iomlanachd,  ach  ghiiilain 
Criosd  leis  a'  chogal  a  bu  leir  dha  annta  air 
sgath  a'  chruithneachd  a  bha  a'  fas  annta. 

Anns  an  eaglais 

III.  Tha  cruithneachd  is  cogal  a  fas  taohh  ri 
taohh  anns  an  eaglais.  Is  e  an  cruithneachd 
clann  na  Rioghachd  agus  an  cogal  claim  an 
droch  spioraid.  Bha  cealgairean  agus  meall- 
tairean  anns  an  eaglais  o  thoiseach,  agus  is 
coltach  gu'm  bi  gu  deireadh.  Tha  Criosd  a' 
teagasg  anns  a'  chosmhalachd  so  gur  h-olc  an 
gnothuch  a  bhi  mar  sin,  ach  nach  gabh  e 
leasachadh  an  drasd.  An  uair  a  bha  e  fhein 
air  thalamh  bha  cuid  'ga  leantuinn,  "  chan  ann 
a  chionn  gu'm  faca  iad  na  miorbhuileaiii  ach  a 
chionn  gu'n  d'ith  iad  de  na  builinnibh  's  gu'n 
do  shasuicheadh  iad  "  (Eoin  vi.  26).  Bha  iad  a' 
meas  gur  buannachd  an  diadhaidheachd. 

Tha  an  seorsa  dhaoine  so  's  an  eaglais  gus  an 
diugh.  Is  maith  leo  ainm  na  diadhaidheachd 
a  bhi  aca,  ged  a  tha  iad  caoin-shuarach  mu'n 
tairbhe.  Is  maith  leo  a  bhi  am  measg  nan 
"  caorach,  ged  nach  toigh  leo  dealachadh  ri  nadur 
nan  gobhar.  Is  beag  aca  ciod  a  shaoileas  Dia 
dhiubh  ma  gheibh  iad  deagh  chliu  o  dhaoine. 
Thubhairt  an  t- abstol  Pol  gu'm  bu  shuarach 
leis-san  breitheanas  dhaoine,  is  e  an  Tighearn 
a  hheir  hreith  orm  (1  Cor.  iv.  4)  ach  is  e  a  their- 
eadh  moran,  na'n  labhradh  iad  an  fhirinii,  gur 
suarach  leosan  breitheanas  Dhe  seach  breith- 
eanas dhaoine.  Bheir  eagal  dhaoine  orra  an 
taobh  a  muigh  de'n  chupan  a  ghlanadh,  ged 
nach  toir  eagal  Dhe  orra  an  taobh  a  stigh  dheth 
a  ghlanadh.  Aidichidh  iad  ainm  Dhe  am 
follais,  ach  an  uaigneas  cha  dean  iad  a  thoil. 

Tha  a'  chealgaireachd  dona  gu  leor  ann  an 


nithean  saoghalta  ach  tha  i  seachd  uairean  na's 
miosa  ann  an  nithean  spioradail.  Faodaidh  na 
mealltairean  sgleo  a  chur  air  siiilean  dhaoine, 
ach  cha  chuir  iad  sgleo  air  siiil  an  Tighearn  a 
tha  mar  mhile  coinneal. 

Air  a  spionadh 

Chuir  e  an  da  chuid  carraid  is  ionghnadh  air 
na  seirbhisich  cogal  a  bhi  a'  fas  anns  an  f  hearann 
comhla  ris  a'  chruithneachd,  agus  na'n  d' 
fhuair  iad  an  doigh  fhein  spionadh  iad  as  a 
fhreumhaichean  gach  gas  dheth, — "  An  aill 
leat  gu'n  teid  simie  agus  gu'n  cruinnich  sinn  ri 
cheile  iad?"  Ged  nach  tug  Tighearn  an 
fhearainn  cead  dhaibh  sin  a  dheanamh,  faod- 
aidh sinn  a  bhi  cinnteach  nach  robh  e  diombach 
gu'n  d'  iarr  iad  an  cothrom.  Thuig  e  gur  e 
meud  an  eud  agus  an  dilseachd  a  thug  orra  a 
bhi  'na  leithid  de  chabhaig. 

Is  duine  suarach  esan  nach  d'thainig  e  riamh 
'na  inntinn  an  glanadh  ceudna  a  dheanamh  air 
eaglais  Chriosd,  a  thairg  na  seirbhisich  so  a 
dheanamh  air  an  achadh  arbhair.  Air  uairean 
saoilidh  sinn  gur  gnothuch  furasd  e,  ach  tha 
Criosd  a'  teagasg  nach  'eil  e  idir  cho  furasda 
's  a  tha  sinn  an  diiil.  Tha  e  'na  aobhar  broin 
do  Cheann  na  h-eaglais  mealltairean  a  bhi  an 
taobh  a  stigh  d'a  geatachan  cho  maith  ri  fior 
Chriosduidhean,  ach  tha  e  ag  iarraidh  oirre 
gililan  leis  na  cealgairean  gu  faidhinneach  air 
sgath  nan  Criosdudhean,  dail  a  chur  anns  an 
dealachadh  gus  an  tig  am  Fogharadh. 

Bu  mhaith  do'n  eaglais  na'n  do  lean  i  teagasg 
a  Maighstir.  Bha  amannan  'na  h-eachdraidh 
anns  an  do  shaoil  i  gu  robh  i  na  bu  ghUce  na 
esan,  agus  ghabh  i  ciiisean  'na  laimh  fhein. 
Chuir  i  roimhpe  nach  fuilingeadh  i  an  cogal  na 
b'  fhaidhe,  ach  is  e  bu  deireadh  do'n  ghnothuch 
gu'n  do  thilg  i  mach  na  martaraich  agus  feadh- 
ainn  eile  ris  an  abrar  an  diugh  smior  a' 
chruithneachd.  'Nuair  a  thoisichear  air  spion- 
adh, is  trie  a  gheibh  an  cogal  a  chuid  as  fhearr 
dheth.  Faodaidh  Seanadh,  is  Cleirean,  is 
Seiseinean  na  h-eaglais,  gach  dearbhadh  a 
thogras  iad  a  chur  air  na  buill  a  thaobh  beatha  's 
creideamh — is  tha  e  iomchuidh  is  freagarrach 
gu'n  deanadh  iad  sin — ach  'na  dheidh  sin  uile 
bidh  an  cruithneachd  agus  an  cogal  taobh  ri 
taobh  's  an  eaglais  fhaicsinnich.  Bidh  cuid  a 
muigh  a  bu  choir  a  bhi  stigh,  is  bidh  ainmean  air 
an  sgriobhadh  an  leabhraichean  comanachaidh 
nach  'eil  sgriobhta  an  Leabhar  na  Beatha  air 
neamh.  Tha  diomhaireachd  's  an  leabhar  sin 
a  bhios  air  a  chleith  o'n  t-saoghal  gus  an  cuir 
Dia  a  mach,  mar  bhuanaichean,  na  h-ainglean. 

Am  fogharadh 

IV.  Tha  am  fogharadh  a  teachd.  "  Cuiridh 
Mac  an  duine  'ainglean  uaith,  agus  tionailidh 
iad   as   a   Rioghachd  na  h-uile   nithe   a  bheir 


GUS  AN  TIG  AM  FOGHARADH— ANN  AN  CRAOIBH 


3 


oilbheum,  agus  iadsan  a  ta  deanamh  aingidh- 
eachd." 

Is  e  ar  gliocas  briathran  cho  soluimte  is  cho 
eagallach  riutha  so  fhagail  mar  tha  iad.  Chan 
'eil  ach  aon  neach  aig  a  bheil  coir  labhairt  air 
na  nithean  a  bhuineas  do  la  a'  bhreitheanais, 
agus  is  e  sin  Criosd,  d'an  d'  thug  an  t-Athair 
iighdarras  chum  breith  a  thoirt  (Eoin  vi.  27). 

Cha  bhuin  e  dhuinne  a  radh  co  dhiu  is  tearc 
no  is  lionmhor  iad  ris  an  cuir  Mac  an  duine  ciil, 
ach  faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  nach  teid  aon 


dias  cruithneachd  seachad  air  a  shuil.  Cha 
dean  esan  mearachd  :  ann  am  breitheanas 
cuimhnichidh  e  trocair.  Ach  buinidh  e  dhuinn 
dichioll  a  dheanamh  chum  ar  gairm  agus  ar 
taghadh  fhein  a  dheanamh  cinnteach.  Tha 
esan  fa  chomhair  an  seas  sinn  air  an  la  sin  mar 
Bhreitheamh,  a'  labhairt  ruinn  an  diugh  mar 
Shlanuighear.  Thainig  e  a  thearnadh  pheacach 
agus  chan  ann  'gan  diteadh.  Tha  barrachd 
tlachd  aige  ann  an  trocair  na  tha  aige  ann  am 
breitheanas. 


Ann  an  Craoibh 


BHO  chionn  ghoirid  bha  mi  ann  an  eaglais 
an  Naoimh  Micheal  ann  an  Craoibh  an  la 
a  bha  mo  sheana  choimhearsnach,  an  t-Urram- 
ach  Tearlach  Hepburn,  B.D.,  am  Baile- 
chloichridh,  air  a  phosadh  rithe  le  Cleir 
Uachdar-Ardair.  Tha  an  eaglais  mor  agus 
maiseach  ;  bha  an  coimhthional  mor  cuideachd, 
is  tha  mi  an  diiil  nach  robh  mi  riamh  aig  seirbhis 
de  'n  t-seorsa  a  bu  sholuimte  no  a  b'  fhearr  a 
thaitinn  rium.  Ach  bha  aon  ni  a  thaitinn  rium 
cho  mor  's  gu'n  do  chuir  ini  romham  m'  an  d' 
fhag  mi  an  eaglais  gu'n  cuirinn  sios  e  air  an 
duilleig  so,  a  thoirt  toileachaidh  do'n  fheadh- 
ainn  a  bhios  'g  a  leughadh.  A  reir  gnaths  na 
h-eaglais  againne,  an  uair  a.  tha  ministear  air 
a  shuidheaehadh  os  cionn  coimhthionail,  tha 
earail  agus  comhairle  air  a  thoirt  dha  le  aon  d'a 
bhraithrean  amis  a'  Chleir  a  thaobh  na  doighe 
anns  a  bheil  e  iomchuidh  gu'm  biodh  dreuchd 
na  ministrealachd  air  a  coimhlionadh.  Bha  an 
dleasdanas  so  air  a  chur  air  an  Urramach  Iain 
D.  Neilson,  M.A.,  an  Cuimirigh,  ach  ged  a 
labhair  esan  ann  am  Beurla  cuiridh  mi  fhein 
ann  an  Gaidhhg  na  thubhairt  e,  no  brigh  a 
sheanchais  co  dhiu. 

Ris  a'  Mhinistear 

Labhair  e  an  toiseach  ris  a'  mhinistear  a 
bhatar  a'  suidheachadh,  "  An  diugh,"  ars  esan, 
"  an  uair  a  thusa  agus  do  choimhthional  ag 
iocadh  'ur  boidean  do  Dhia  as  ur,  tha  mise  a' 
cur  failte  chridheil  ort  an  ainm  na  Cleire,  agus 
a'  deanamh  do  bheatha  do'n  eaglais  agus  do'n 
sgireachd  so.  Tha  sinn  uile  a'  guidhe  gu'm  bi 
soirbheachadh  agus  sonas  agad  ann  ad  obair 
am  measg  a'  choimhthionail  so,  a'  searmonach- 
adh  soisgeul  na  reite." 

"  Tha  rud  no  dha  a  bhuineas  d'  ar  n-obair 
mar  theachdairean  Chriosd  air  am  bu  mhaith 
leam  bruidhinn  riut  a  nis,  agus  gu  sonruichte  a 
chur  'n  ad  chuimhe  gur  e  gairm  ard  agus  uasal  a 
tha  ann  an  dreuchd  na  ministrealachd.  Ma  leugh 
thu  Turus  a  Chriosduidh,  mar  is  cinnteach  a 
rinn  thu,  bithidh  cuimhne  aaad  air  an  dealbh 


ud  a  chunnaic  Criosduidh  ann  an  tigh  an  Fhir- 
mineachaidh.  An  uair  a  las  am  Fear-mineach- 
aidh  coinneal,  agus  a  chaidh  iad  a  steach  do'n  t- 
seomar,  chunnaic  Criosduidh  an  crochadh  air  a' 
bhalla  dealbh  duine  air  an  robh  coslas  diadhaidh 
agus  stolda,  a  shuilean  togta  ri  neamh  ;  an 
leabhar  as  fhearr  'na  laimh  ;  lagh  na  firinn 
sgriobhta  air  a  bhilean  ;  an  saoghal  air  a  chiil  ; 
crim  oir  air  a  cheann,  agus  e  'na  sheasamh  mar 
gu'm  biodh  e  a'  cur  impidh  air  daoine.  Cha 
ruig  mise  leas  a  radh  ciod  a  tha  an  dealbh  so 
a'  ciallachadh  ;  ann  am  beagan  bhriathran 
tharruing  Iain  Bunyan  dealbh  an  fhior 
mhinisteir. 

Na  comharraidhean 

I.  "  Duine  diadhaidh  agus  stolda,  agus  a 
shuilean  air  neamh," — sin  agad  na  comharr- 
aidhean gu'n  do  choisrigeadh  e  do  Dhia.  Tha 
stoldachd  agus  stoldachd,  tromadas  agus  trom- 
adas,  ann.  Chan  e  duine  air  a  bheil  aghaidh 
fhada,  no  duine  a  tha  trom  agus  dubhach  'na 
inntinn,  no  duine  a  bhios  ag  osnaich  gun  sgur, 
a  bha  Iain  Bunyan  a'  ciallachadh  le  duine 
stcilda,  ach  duine  a  tha  suidhichte  'na  inntinn 
agus  'na  ghluasad  a  chionn  gu  bheil  e  a'  laimh- 
seachadh  nithean  mora  agus  soluinte.  Chan 
'eil  aghaidh  mhuigeach  a'  freagairt  air  sgeul 
aoibhneach  an  t-soisgeil,  ach  cha  mho  a  tha 
aotrumas  no  faoineas  a'  freagairt  air  teachd- 
airean  Chriosd.  Ged  nach  biodh  dad  eile  'ga 
chur  'n  an  cuimhne  a-ch  an  colair  agus  an  deise 
a  tha  orra  bu  choir  do  mhinistearan  a  chuimh- 
neachadh  gu  robh  iad  air  an  cur  air  leth  o 
dhaoine  eile  gu  bhi  a'  laimhseachadh  nithean 
naomha,  agus  mar  sin  gu  bheil  e  air  iarraidh 
orra  a  bhi  stolda  agus  naomh  iad  fein,  mar 
dhaoine  a  tha  a'  deanamh  gnothuich  ri  Dia. 

An  uair  a  tha  siiilean  duine  togta  ri  neamh 
chi  e  nithean  an  t-saoghail  so  agus  na  daoine 
ris  a  bheil  a  ghnothuch  mar  tha  Dia  'g  am 
faicinn.  An  uair  a  tha  aodhair  a'  dol  a  mach 
agus  a  steach  am  measg  an  t-sluaigh  chi  e  agus 
cluinnidh  e  iomadh  rud  a  bheir  air  a  shaoilsinn 


4 


ANN  AN  CRAOIBH 


nach  'eil  ann  an  cloinn — daoine  ach  creutairean 
suarrach  nach  f  hiach  a  bhi  a'  stri  riu.  Ach  chan 
'eil  e  ceart  do  mhinistear  leigeil  le  smuaintean 
de'n  t-seorsa  sin  freumhachadh  'na  chridhe, 
agus  cha  mho  a  fhreumhaicheas  iad  ann  ma 
chumas  e  a  shiiilean  fein  togta  ri  neamh.  Ma 
tha  umha  ann  an  nadur  mhic  an  duine  tha  or 
ann  cuideachd  ;  am  peacach  as  miosa  agus  as 
cruaidhe  cridhe  tha  iomhaigh  Dhe  air  agus 
faodaidh  e  cumhachd  fhaotainn  a  bhi  'na  mhac 
do  Dhia.  Ma  tha  siiilean  ministeir  togta  ri 
neamh  chi  e  an  t-6r  a  tha  ann  an  ci'idheachan 
peacach,  agus  chi  e  cuideachd  gur  e  a  dhleas- 
danas-san  feuchainn  ris  an  or  sin  a  ghlanadh 
gus  am  bi  e  fior-ghlah. 

Ar  Gairm 

II.  "  Bha  lagh  na  firinn  air  a  bhilean,  agus  e 
'na  sheasamh  mar  gu'm  biodh  e  a'  cur  impidh 
air  daoine  ;  "  sin  ar  gairm  agus  ar  n-acfhuinn. 
Tha  sinn  air  ar  gairm  gu  bhi  a'  cur  impidh  air 
daoine  a  bhi  reidh  ri  Dia,  agus  is  g  ar  n-acfhuinn, 
lagh  iia  firinn  air  ar  hilean.  Faodaidh  ministear 
a  bhi  driopail  o  cheann  gu  ceann  de  'n  t-seach- 
duin  ;  a'  ruith  a  null  agus  a  nail,  a'  deanamh 
sud  agus  so,  'ga  chumail  fein  trang  le  turusan 
agus  saothair  gun  fhiti,  agus  gun  a  bhi  a' 
deanamh  dad  idir  a  bhuineas  do'n  mhinistreal- 
achd  spioradail  a  bu  choir  dha  a  choimhlionadh. 
"  Pillibh,  pillibh,  car  son  a  bhasaicheas  sibh  ?  "  ; 
tha  an  glaodh  sin  cho  feumail  ann  am  beul 
mhinistearan  an  diugh  's  a  bha  e  ann  an  laithean 
Eseciel.  Ann  an  seaiinonachadh  an  t-soisgeul 
tha  iomadh  talant  feumail  agus  maith  do 
mhinistear  a  bhi  aige  ;  eolas,  agus  tuigse,  agus 
deas-chainnt,  agus  cuimhne  mhaith,  ach  tha  e 
na's  fhearr  na  na  nithean  sin  uile  gu'm  biodh 
eud  affus  durachd  'na  chridhe  a  bhi  a'  tag-ar  ri 
peacaich  as  leth  Chriosd  ;  mar  tha  Pol  ag  radh^ 
"  Uime  sin  is  teachdairean  sinn  air  son  Chriosd, 
mar  gu'n  cuireadh  Dia  impidh  leinne  ;  tha  sinn 
a'  guidhe  oirbh  as  uchd  Chriosd,  bithibh  reidh 
ri  Dia." 

An  Cmn 

III.  "  Bha  an  saoghal  air  a  chill  agus  criin 
oir  OS  cionn  a  chinn."  Chan  ann  air  son  duais 
a  tha  sinn  a'  saothrachadh,  ach  air  a  shon  sin,  is 
maith  gu  bheil  ar  duais  cinnteach.  Chan  e 
duais  shaoghalta  a  tha  againn,  agus  cha  b' 
fhiach  do  dhuine  tiirail  air  bith  dreuchd  na 
ministrealachd  a  ghabhail  as  laimh  mur  biodh 
dad  's  an  t-sealladh  aige  ach  a  thuarasdal.  Ach 
tha  duais  as  fhearr  na  sin  aig  teachdairean  an 
t-soisgeil.  Nach  mor  an  duais  a  tha  aca  anns 
a'  chairdeas  agus  anns  a'  chaidreamh  bhlath  a 
tha  eadar  iad  fein  agus  na  teaghlaichean  air  am 
bi  iad  a'  tadhall ;  a'  bhann  bhlath  a  tha  eadar 
iad  agus  an  oigridh,  clann  na  sgoil  Shabaid, 
agus  classaichean  a'  Bhiobuill !     Nach  mor  an 


duais  a  tha  aca  an  uair  a  dh'  fhosglas  iad  na 
sgriobturan  do  dhaoine  eile,  agus  gu  sonruichte 
an  uair  a  dhiiisgeas  Spiorad  an  Tighearn 
peacaich  gu  aithreachas  fo  an  searmon- 
achadh  ! 

Ach  tha  an  crtm  os  cionn  ar  cinn  ;  tha  e  ri 
bhi  fathast  air  a  chosnadh.  "  Chan  e  gu'n  d' 
rainig  mi  cheana,  no  gu  bheil  mi  cheana  foirfe, 
ach  tha  mi  a'  leantuinn,  dh'  fheuchainn  am 
faigh  mi  greim  de'n  ni  sin  fein  air  son  an  do 
ghabhadh  greim  dhiom  le  losa  Criosd." 

An  Leabhar 

IV.  "  An  leabhar  as  fhearr  'na  Ikimh."  Is  e 
am  Biobull  an  leabhar-teagaisg  as  a  bheil  sinn 
a'  toirt  earailean  do  dhaoine  eile,  ach  is  e  am 
Biobull  ar  n-aran-beatha  fein.  Chan  urrainn 
ministear  aran  na  beatha  a  roinn  d'a  choimh- 
thionail  mur  bheil  cail  aige  fein  air  a  shon.  Tha 
e  a  cheart  cho  duihch  do  dhuine  anam  a 
chumail  beo  gun  a  bhi  a  beathachadh  air  facal 
Dhe  's  a  bhiodh  e  duilich  dha  a  chorp  a  chumail 
ann  an  slainte  gun  bhiadh.  Oir  is  e  Facal  an 
Tighearn  aon  de  na  meadhonan  as  fhearr  gus 
ar  cumail  ann  an  dliiths  ri  Criosd  ar  Slanuighear, 
ar  Solus,  agus  ar  Neart. 


An  sin  thus  Mghr  Neilson  an  earail  so  do'n 
choimhthional.  "  Ghabh  sibhse,"  ars  esan, 
"  boidean  soluimte  oirbh  fein  an  diugh  ;  rinn 
sibh  fein  agus  'ur  ministear  ciimhnant  ri  cheile, 
agus  tha  e  mar  fhiachaibh  oirbhse  mar  tha  e 
mar  fhiachaibh  airs  an  na  boidean  sin  a  choimh- 
lionadh. Tha  e  an  urra  ruibhse  co  dhiu  a  bhios 
'ur  ministear  sona  agus  toilichte  'n  'ur  measg 
no  nach  bi,  agus  co  dhiu  a  bhios  a  shaothair 
soirbheachail  no  nach  bi." 

"  Cuimhnichibh  gur  duine  e  coltach  ruibh 
fein,  agus  nach  ruig  sibh  a  leas  diiil  a  bhi  agaibh 
gu'm  bi  e  iomlan  anns  gach  ciiis  no  ceum.  Bidh 
iomadh  camadh  'n  a  chrannchur  agus  duilgh- 
eadas  'na  bheatha  nach  aithne  dhuibhse  ;  mar 
sin  bithibh  faidhidinneach  ris,  agus  creidibh 
daonnan  gu  bheil  e  a'  feuchainn  ri  frithealadh 
a  dheanamh  dhuibhse  gu  dileas  agus  gu  gradh- 
ach.     Bithibh  ag  iirnuigh  air  a  shon. 

"  Ach  cuimhnichibh  gur  ministear  e  cuid- 
eachd, agus  mar  sin  gu'na  faod  sibh  diiil  a  bhi 
agaibh  gu  bheil  ni-eigin  aige  ri  thoirt  dhuibh  air 
a  bheil  feum  agaibh.  Biodh  cail  agaibh  do 
theagasg  spioradail  agus  gheibh  sibh  teagasg 
spioradail  ;  ma  bhios  fuachd  anns  na  suidh- 
eachain  fasaidh  a'  chiibaid  fuar  cuideachd. 
Cuidichibh  leis  ann  an  obair  an  Tighearna,  chan 
ann  a  chionn  gur  maith  leibh  uaill  a  dheanamh 
as  'ur  n-oibrichean  fein,  ach  a  chionn  gur  pobull 
saorta  an  Tighearna  sibh,  oir  cheannaicheadh  le 
luach  sibh,  fuil  phriseil  an  t-Slanuigheir  d'a 
bheil  sibh  fo  fhiachan  gu  brath." 


AN  DIADHAIDHEACHD  FHIORGHLAN 


An  diadhaidheachd  fhiorghlan 


rPHEIREADH  an  t-abstol  Seumas  gur  e 
X  an  diadhaidheachd  fhiorghlan  dilleachdain 
fhiosrachadh  'n  an  trioblaidean.  Ma  tha  sin 
fior,  agus  chan  abradh  an  t-abstol  e  niur  bith- 
eadh  e  fior,  nach  ann  air  ceann  Uilleam  Quarrier 
a  bhios  an  coron  gloire  aig  teachd  Criosd,  oir  b' 
esan  da  rireadh  caraid  nan  dilleachdan.  Tha 
mi  ag  ainmeachadh  an  duine  mhaith  so  an 
drasd  an  dochas  gu'n  cuidich  an  f  headhainn  sin 
d'  ar  luchd-leughaidh  nach  'eil  'g  a  dheanamh 
cheana  an  obair  Chriosdail  a  tha  dol  air  aghaidh 
aig  Drochaid-Weir. 

An  uair  a  thainig  D.  L.  Moody  do  Ghlaschu 
ann  an  1874  bha  e  air  a  bhioradh  'n  a  chridhe 
le  seallaidhean  a  chunnaic  e  air  na  sraidean  ; 
clann  bheag  is  neul  an  acrais  air  an  aodainn, 
gun  stiall  de  'n  aodach  orra,  cas-riiisgte  is 
ceann-riiisgte.  Ghairni  e  coinneamh  a  dh' 
fheuchainn  an  gabhadh  dad  deanamh  air  an 
son.  Am  measg  nan  daoine  a  chaidh  do'n 
choinneamh  sin  bha  Uilleam  Quarrier,  duine 
aig  an  robh  gaol  air  na  leanaban,  agus  a  bha 
cheana  a'  deanamh  a  dhichill  gus  cobhair  a 
thoirt  daibh.  Bho  thainig  e  gu  ire  duine  bha  e 
'n  a  inntinn  toiseachadh  air  na  dilleachdain  a 
thearnadh  le  dachaidh  iir  a  thoirt  daibh  ann 
an  Tighean-fasgaidh  a  bhiodh  air  an  togail 
air  an  son.  Dh'  innis  e  do  chach  ciod  a 
bha  'n  a  inntinn,  agus  thug  iad  uile  am  beann- 
achd  dha. 

Tighean-fasgaidh 

Cheannaich  e  da  fhichead  acair  de  fhearann 
aig  Drochaid-Weir,  agus  thoisich  e  air  na 
Tighean-fasgaidh  a  thogail,  a  reir  mar  bha 
comas  aige  dol  air  aghaidh.  Ann  am  beagan 
bhliadhnachan  bha  deich  Tighean  aige,  agus 
iad  uile  Ian  de  chloinn.  Ach  a  h-uile  bliadhna 
bha  an  obair  a'  fas,  is  bha  daoine  caomhail  eile 
'ga  chuideachadh  cho  fialaidh,  's  nach  b'  fhada 
gus  am  b'  fheudar  dha  tuilleadh  fearainn  a 
cheannach.  Dh'  fhas  an  aon  bheag  'na  mile, 
agus  na  deich  tighean  'n  am  baile  mor,  oir 
luathaich  an  Tighearna  an  obair  'n  a  thrath. 
An  diugh  tha  oighreachd  bheag  aca,  se  fichead 
deug  acair  air  a  bheil  tri  fichead  's  a  coig  deug 
de  thighean,  agus  corr  air  da  mhile  duine  annta. 
A  thuilleadh  air  fasgadh  a  thoirt  do  dhilleach- 
dain  agus  do  chloinn  eile  a  tha  gun  chiil-taice 
tha  na  tighean-didein  so  a'  gabhail  ri  truaghain 
eile,  ri  daoine  air  a  bheil  caitheamh  no  an 
tinneas-tuiteamach  agus  nach  h-urrainn  an  aire 
a  thoirt  daibh  fein. 

Gus  an  obair  mhaith  so  a  chumail  air  a  h- 
aghaidh  tha  £70,000  a  dhith  orra  a  h-uile 
bliadhna,  ach  ged  a  tha  an  t-suim  mor,  tha  iad 
a'  faotainn  an  airgid  gu  reidh,  agus  cha  robh  iad 


riamh  ann  an  ainbheach.  Coltach  ri  Seoras 
Muller  a  bha  ann  am  Bristol,  agus  ri  Mairi 
Slessor,  a  bha  'n  a  soisgeulaiche  ann  an  Calabar, 
chan  'eil  iad  a'  gabhail  doigh  shonruichte  air 
bith  air  an  airgiod  so  a  thruiseadh  ach  a  mhain 
gu  bheil  iad  'g  a  iarraidh  air  Dia  ann  an  iirnuigh, 
agus  tha  an  iarrtus  air  a  thoirt  daibh. 

Tha  moran  dhaoine  ann  nach  creid  facal  dheth 
so  ;  a  shaoileas  nach  'eil  ann  ach  faoineas  no 
eadhon  ladarnas  ar  taic  a  leigeil  ri  Dia  anns  an 
doigh  so,  agus  ar  ctiisean  fhagail  'n  a  lamhan. 
Tha  f hios  agam  gle  mhaith  nach  cuireadh  dad  a 
b'  urrainn  mise  a  radh  riu  as  am  beachd  iad,  agus 
mar  sin  cha  teid  mi  ann  an  argumaid  riu,  ach 
is  e  so  aon  ni  a  their  mi  nach  ann  aig  na  h- 
ana-creidich  a  tha  am  fiosrachadh  as  fhearr  air 
doighean  is  cumhachd  an  Tighearna  ach  aca-san 
a  tha  a'  cur  an  uile  earbsa  ann.  "  Tha  rim- 
diomhair  an  Tighearna  aca-san  d'  an  eagal  e." 
Duine  a  tha  a  chridhe  socruichte  air  Dia,  agus 
'anam  aonaichte  is  coisrigte  d'a  sheirbhis,  sin 
agad  duine  a  chuireas  beanntan  as  a  rathad 
le  urnuigh. 

Uile  gu  leir  fhuair  corr  is  fichead  mile  de 
chloinn  dachaidh  bhlath  is  oileanachadh  diadh- 
aidh  anns  na  Tighean  so,  agus  dhiubh  sin  bha  corr 
agus  seachd  mile  air  an  cur  a  mach  do  Chanada, 
a  dhol  air  cheann  an  cosnaidh.  Shoirbhich  an 
saoghal  gu  maith  le  cuid  dhiubh,  agus  a  h-uile 
bliadhna  tha  iad  a'  cuimhneachadhnan  Tighean- 
fasgaidh  aig  Quarrier,  a  thog  as  a'  chlabar  iad 
agus  a  shocruich  an  casan  air  a'  charraig.  Bho 
gach  diithaich  fo'n  ghrein,  agus  leis  gach  posta, 
tha  litrichean  de  'n  t-seorsa  so  a'  tighinn  gu 
Drochaid-Weir  o  dhaoine  aig  a  bheil  spiorad 
Chriosd  'n  an  cridhe. 

Litir  o  Chian 

Tha  mi  a  cur  thugaibh  coig  puinnd  Shasunn- 
ach  le  mo  hheannachd.  Na  hithihh  aig  an  dragh 
fios-freagairt  a  thoirt  do'n  litir  so,  oir  chan  aithne 
dhuihh  mi  agus  chan  aithne  dhbmhsa  sibhse.  Ach 
chuala  mi  mu'n  obair  a  tha  sibh  a'  deanamh  as 
leth  na  cloinne,  agus  hu  mhaith  leam  beagan 
cuideachaidh  a  dheanamh  leibh." 

Is  e  so  obair  an  Tighearna,  da-rireadh  ; 
obair  a  dh'  fhaodas  a  bhi  air  a  h-ainmeachadh 
maille  ris  na  h-iongantasan  a  leughar  ann  an 
Gniomharan  nan  abstol,  toradh  an  Spioraid 
Naoimh.  Tha  cuimhne  agaibh  air  an  fhacal  a 
thubhairt  Lucas  ann  an  toiseach  an  leabhair  sin, 
"  na  nithean,"  ars'  esan,  "  a  thoisich  Criosd  air 
a  dheanamh."  Thoisich  obair  Chriosd  bho 
chionn  dliith  air  da  mhile  bliadhna  ach  cha  do 
sguir  i  fhathast,  agus  cha  sguir  i  gu  brath  gus 
am  bi  toil  Dhe  air  a  deanamh  air  an  talamh 
mar  tha  i  air  a  deanamh  ann  an  neamh.     Chan 


6 


AN  DIADHAiDHEACHD  FHIORGHLAN— AIG  AN  UINNEIG 


e  toil  Dhe  gu'm  biodh  paisdean  a'  fulang  an 
acrais,  ach  ciod  am  meadhon  a  tha  aig  Dia  air 
a  thoil  a  chur  an  gniomh  ach  lamhan  caomhail 
is  cridheachan  fial  a  shluaigh  ?  "Is  mise  an 
fhionain,"  arsa  Criosd,  "  agus  is  sibhse  na 
geugan."  Tha  am  facal  sin  domhain  is  briogh- 
mhor,  agus  tha  e  a'  ciallachadh  rud  no  dha,  ach 
am  measg  nithean  eile  tha  e  a'  ciallachadh  so, 
gur  e  luchd-leanmhuinn  Chriosd  an  diugh, 
ann  an  da  rireadh,  a  lamhan  agus  a  chasan 
leis  a  bheil  e  a'  dol  a  mach  air  thurusan  na 
trocair.  Ma  tha  cridheachan  spiocach  againne, 
is  lamhan  diiinte,  is  casan  mall,  nach  'eil  sinn  a' 
cumhannachadh  trocair  an  Tighekrna,  agus  a' 
cur  bacaidh  air  'obair  ? 

A  reir  mar  a  shoirbhich  leibh 

Tha  an  sean-fhacal  ag  radh  nach  cron  e  ann 
an  duine  a  bhi  fial,  agus  tha  an  soisgeul  ag  radh 


an  ni  ceudna.  Cha  toigh  le  Dia  daoine 
cumhann  spiocach  nach  smuainich  latha  's  a' 
bhliadhna  ach  orra  f  hein,  ach  is  toigh  leis  daoine 
anns  a  bheil  iochd.  Tha  e  fein  iochdmhor  is 
uasal,  agus  ghradhaich  e  an  saoghal  cho  mor  's 
gu'n  d'  thug  e  seachad  a  Mhac. 

Tha  iomadh  doigh  anns  am  faod  duine  spiorad 
na  diadhaidheachd  a  nochdadh,  ach  chan  aithne 
dhomhsa  doigh  as  fhearr  na  'n  doigh  a  chomh- 
airlich  an  t-abstol  Seumas  duinn  an  uair  a 
thubhairt  e,  "  Is  e  so  an  diadhaidheachd  fhior 
ghlan  agus  neo-shalach  am  fianuis  Dhe  agus 
an  Athar,  dilleachdain  fhiosrachadh  'n  an 
trioblaid."  Ma  shoirbhich  Dia  leat,  a  leugh- 
adair,  agus  gur  h-urrainn  duit  a  dheanamh, 
cuir  do  lamh  'n  ad  phoca  agus  thoir  cuideachadh 
do  na  daoine  a  tha  cuideachadh  nam  paisdean 
anns  na  Tighean-fasgaidh  aig  Quarrier  ann  an 
Drochaid-Weir. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Iain  R.  Mac  Aoidh,  D.D. 

LE  bas  an  duine  so  chaill  an  Eaglais  Shaor 
aon  de  na  puist  a  bu  laidire  a  bha  innte.  Sin 
an  aon  fhacal  as  freagarraiche  air  Iain  R.  Mac 
Aoidh,  duine  laidir.  Cha  chuala  mi  e  riamh  a' 
bruidhinn  ach  aon  uair  ann  an  Cardiff,  far  an 
do  labhair  e  air  ard-uachdaranachd  Dhe. 
Shaoileadh  tu  gur  e  lonatan  Edwards  a  bha  a' 
bruidhinn,  ach  ged  bha  beachdan  agus  smuain- 
tean  anns  an  oraid  ud  ris  nach  gabhainn-sa  air 
son  an  t-saoghail,  bha  e  furasda  fhaicinn  gur 
e  duine  laidir  a  bha  'g  a  liubhairt. 

Rugadh  e  an  Srathaidh,  an  Cataibh  ;  bha 
e  air  oileanachadh  an  Obar-eadhain,  an  Cill- 
rimhinn,  agus  an  Dim-eideann  ;  bha  e  a' 
seasamh  cho  laidir  air  teagasg  agus  air  doighean 
aithrichean  Rois  's  gu'n  do  dhealaich  e  ris  an 
eaglais  Shaoir  aig  am  an  Declaratory  Act.  Bha 
e  'n  a  mhinistear  ann  an  Gearr  Loch,  anns  an 
eaglais  Shaoir  Chleireachail,  o  1893  gu  1900, 
agus  ann  an  Inbhir  Nis  o  1900  gu  1918.  An 
uair  a  bha  e  ann  an  Gearr  Loch  bha  seorsa  de 
Chollaist  aige  dha  fein,  far  an  robh  e  a'  teagasg 
dhaoine  oga  air  son  na  ministrealachd. 

An  deidh  dha  an  eaglais  Shaor  Chleireachail 
fhagail  agus  dol  do'n  eaglais  Shaoir  rinneadh 
Professor  dheth  an  ath  bhliadhna  ann  an 
Collaist  na  h-eaglaise  Saoire,  an  Dim-eideann. 
Bha  e  'n  a  sgoilear  maith  ;  thug  Oilthigh 
Chill-rimhinn  D.D.  dha  ann  an  1926,  is  bha  e 
'n  a  Mhoderator  anns  an  eaglais  Shaoir  ann  an 
1929-  Is  ann  annamh  a  bheir  eaglais  air  bith 
an  t-urram  do  dhuine  nach  robh  fada  innte  a 
thug  an  eaglais  Shaor  do  Iain  R.  Mac  Aoidh. 
Ach  b'  ann  de  fhior  stoc  na  h-eaglaise  Saoire 
e  gu  nadurra.     Duine  laidir. 


An  t-Urramach  DomhnuU  Caimbeul 

Bidh  moran  dhaoine  anns  an  eaglais  duiUch 
gu  bheil  Domhnull  Gaimbeul,  ministear  Coit 
Ghai'tain  agus  Cinn  Chardainn,  a'  fagail  na 
cathrach  am  bliadhna,  mar  cheann-suidhe  na 
Comhairle  a  tha  a'  sealltainn  thairis  air  obair 
na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns 
na  h-Eileanan.  Anns  na  seann  laithean  an 
eaglais  na  h-Alba,  aon  uair  's  gu'n  cuireamaid 
duine  anns  a'  chathair,  dh'  fhagamaid  innte  e 
fad  uile  laithean  a  mhinistrealachd,  air  chor 
agus  gu'm  b'e  fear-na-cathrach  sgiobair  a' 
bhata  gun  teagamh.  Ach  an  diugh  chan  'eilear 
a'  fagail  duine  anns  a'  chathair  ach  tri  bliadhna, 
direach  mar  a  bheirear  do  sheoladairean  an 
tacan  fein  de'n  chuibhill.  B'  fhearr  leam  an 
t-seann  doigh  fada  cian. 

Cha  mhor  dhaoine  anns  an  eaglais  a  tha  cho 
eolach  air  an  obair  a  thatar  a'  deanamh  anns 
a'  Ghaidhealtachd  ri  Domhnull  Caimbeul,  agus 
chan  'eil  duine  idir  aig  a  bheil  barrachd  iiidh 
innte.  Bha  e  air  a'  Chomhairle  so  bho  thainig 
an  da  eaglais  comhla,  agus  fada  roimh  sin  bha 
e  oirre  anns  an  eaglais  Shaoir  Aonaichte.  Bha 
e  coig  bliadhna  fichead  oirre  uile  gu  leir,  agus 
fad  tri  dhiubh  sin  bha  e  'na  fhear-na-cathrach. 
Cha  b'  urrainn  a'  Chomhairle  fear-cathrach  a 
b'  fhearr  a  bhi  aice  na  Domhnull  Caimbeul, 
oir  b'  aithne  dha  a  ghnothuch,  is  bha  sith  'na 
ghuth  agus  'n  a  aodann  daonnan.  Chan  'eil 
teagamh  nach  toir  an  Seanadh  am  bliadhna 
tainsf  na  h-eaa;lais.dha. 

Tha  mi  a'  cluinntinn  gur  e  an  t-Urramach 
Alasdair  Domhnullach,  M.A.,  an  eaglais  Chal- 
uim-cille,  an  Glaschu,  a  thatar  a'  cur  'na 
aite. 


BUAIDH  AN  T-SOISGEIL  AIR  AN  T-SAOGHAL 


lAn  t-Urramach  Niall  Mac  Fhionghuin  nach 
maireann 

Bidh  ionndrainn  air  Niall  D.  C.  Mac  Fhion- 
ghuin ann  an  Earra-Ghaidheal  agus  ann  an 
Glaschu,  far  an  robh  moran  luchd-eolais  aige. 
Cha  robh  e  ach  coig  agus  tri  fichead  an  uair 
a  shiubhail  e. 

Ged  a  rugadh  's  a  thogadh  e  an  Glaschu, 
bhuineadh  a  chuideachd  do  Thiriodh  ;  bha  e 
air  oileanachadh  an  Oilthigh  Glaschu  ;  f  huair 
e  cead  searmonachaidh  bho  Chleir  He  an  1900, 


agus  an  deidh  dha  a  bhi  greis  'n  a  f  hear-cuid- 
eachaidh  an  eaglais  Chaluim-Cille  an  Glaschu, 
far  an  robh  athair  'n  a  fhoirbheach,  bha  e  air 
a  shuidheachadh  an  Cill-Chreanain  an  1905, 
sgir  lethoireach  nach  d'  fhag  e  riamh. 

Ged  nach  b'aithne  dhomh  e  gu  pearsonta 
bhithinn  a'  cluinntinn  o  bhraithrean  ann  an 
Cleir  Lathurn  gu'm  bu  duine  reidh,  coibhneil 
e  ;  gu  robh  e  easgaidh  agus  fuasgailte  an 
laithean  oige,  agus  dicheallach  ann  an  obair 
na  sgireachd.  Greis  m'an  do  shiubhail  e  cha 
robh  a  shlainte  ro  mhaith. 


An  t-Urr.  Donnchadh  Mac  Gille-Bhraigh 
nach  maireann 


BHA  eolaich  duilich  a  chluinntinn  mu  bhas 
an  duine  choibhneil,  laghaich  so,  o  chionn 
ghoirid. 

Rugadh  Donnchadh  Mac  Gille-Bhraigh  an 
sgireachd  Dheimhidh  ann  an  1864,  agus 
f huair  e  fhoghlum  an  sgoil  Dhiiin-glais,  agus 
an  oilthighean  Ghlaschu  agus  Dhun-eideann. 
Chaidh  a  chur  air  leth  air  son  na  ministrealachd  . 
leis  an  Eaglais  Shaoir  ann  an  1907  ;  bha  e  'na 
fheai'-cuideachaidh  an  -Govan  da  bhliadhna, 
agus  an  sin,  chaidh  a  phosadh  ri  comh-thional 
Eaglais  Shaor  Thobar-Mhoire.  A  Muile  chaidh 
e  dh'  Eaglais  na  h-Alba  am  Beinn  a'  Bhaoghla 
ann    an    1914.     Chaidh    a   ghairm   gu    eaglais 


Hutchesontown  an  Glaschu  ann  an  1921.  Leig 
e  dheth  uallach  a  dhreuchd  greis  mhath  mu'n 
do  dh'eug  e. 

'Se  duine  tapaidh,  fuasgailteach  a  bha  ann 
an  Donnchadh  Mac  Gille-Bhraigh.  Coisiche 
cho  math  's  a  bha  's  an  Eilean  Fhada,  bha  e 
treun,  calma  'na  bhodhaig,  agus  cha  chuireadh 
fuachd  is  fliuchadh,  a  chuireadh  as  a  dh'  iomadh 
fear,  teamhall  air. 

Searmonaiche  soisgeulach,  ministear  saoth- 
rachail,  duine  sunndach,  cairdeil,  gun  mheud- 
mhor,  gun  droch  amharus,  bidh  cuimhne 
chaomh  aig  moran  air. 

An  t-Urr  Sebras  Mac  Coinnich, 
an  Grianaig. 


Buaidh  an  t-Soisgeil  air  an  t-Saoghal 

Lets  an  Urb.  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Eaglais  Chaluim-cille,  an  Govan,  Glaschu 


IS  trie  a  chluinnear  daoine,  agus  gu  son- 
ruichte  seann  daoine,  a'  moladh  nan  laithean 
a  dh'aom  agus  a'  di-moladh  na  h-aimsir  a  ta 
lathair  an  coimeas  ris  na  laithean  ud.  A  reir 
coltais,  chan  e  a  mhain  tide  a  tha  sior-dhol  am 
miosad  ach  a  h-uile  ni,  tarbhachd  na  talmhainn, 
doighean  an  t-saoghail,  beusan  dhaoine,  agus 
ciiisean  spioradail. 

Their  daoine  gu'n  robh  barrachd  de  charth- 
annas  is  cairdeas  is  toileachadh  am  naeasg 
sluaigh  r'an  ceud  chuimhne-san  na  tha  ann  an 
diugh  ;  gu'n  robh  na  rioghachdan  na  bu  shiobh- 
alta,  am  fonn  na  's  toraiche,  na  geamhraidhean 
na  's  ciiiine  agus  na  samhraidhean  na  's  tiorama 
na  tha  iad  an  diugh.  Cha  robh  leithid  Hitler 
no  Mhussolini  ann  gu  bhi  deanamh  buairidh 
eadar  rioghachdan.  Bha  am  mor-shluagh  a' 
frithealadh  air  meadhonan-grais  mar  nach  'eil 
iad  a  nis. 

Gun  teagamh  tha  moran  f  irinn  an  sin,  agus 
is  cinnteach  gu'm  bheil  nithean  ann  an  diugh — 


nithean  a  b'  fhearr  a  bhi  as  an  aonais — ^nach 
robh  ann  ceud  bliadhna  air  ais.  Ach  tha  mar  an 
ceudna  nithean  maithe  ann  an  diugh  nach  robh 
ann  roimhe,  agus  bha  droch  nithean  ann  o 
shean  nach  fhaighear  'n  ar  measg  anns  an 
linn  so. 

Breith  chothromach 

Mar  is  trice,  an  uair  a  bhitheas  neach  a' 
gearan  mu'n  droch-chlaonadh  a  tha  air  tighinn 
air  an  t-saoghal,  is  ann  a  tha  e  a'  coimieas 
ghnothaichean  an  la  diugh  ris  mar  a  bha  ciiisean 
an  am  oige  fhein.  Agus  tha  fhios  aig  gach  aon 
gu'm  bheil  adharcan  mora  an  comhnuidh  air  a' 
chrodh  a  tha  fad  as,  agus,  doirbh  's  gu'n  robh 
laithean  ar  n-6ige,  tha  sinn,  air  dhuinn  a  bhi  'g 
amharc  air  ais,  g  am  faicinn  miar  troimh  cheo 
bhaigheil,  a'  cuimhneachadh  a'  mhaith  agus  a' 
diochuimhneachadh  a'  chruaidh-chas.  Ma  tha 
sinn  dol  a  thoirt  breith  cheart  air  co  dhiii  tha 
no  nach    'eil   an  saoghal  a'    dol   am  feabhas, 


8 


BUAIDH  AN  T-SOISGEIL  AIR  AN  T-SAOGHAL 


feumar  siiil  a  chumail  chan  ami  air  ciirsa  ghoirid 
ar  beatha  fein  ach  air  na  linntean  fada.  Chan 
e  faireachduinn  aon  duine  no  tachartasan  aon 
bheatha  a  dh'  fhuasglas  a'  cheist,  ach 
sealladh  fada  air  eachdraidh  an  t-saoghail,  oir, 
mar  a  thubhairt  neach-eigin,  is  e  eachdraidh 
an  t-saoghail  breitheanas  an  t-saoghail. 

Maighstir  Lachlann 
Gabhamaid  an  toiseach  cuid  de  na  cuspairean 
a  dh'  ainmich  mi,  a  thaobh  am  bheil  daoine  air 
uairean  a'  deanamh  caoidh.  Faodar  a  radh 
gu'm  bheil  iad  ro  f  haoin  gus  nine  a  chosg  orra, 
ach  chan  'eil  rud  sam  bith  faoin  a  tha  ag  aobh- 
rachadh  gearain  do  dhaoine,  gu  sonruichte 
gearan  gun  seagh  's  gun  bhonn.  An  uair  a 
chluinneas  mi  neach  a'  di-moladh  na  h-aimsir 
agus  ag  innse  cho  fallain  freagarrach  agus  a  bha 
an  tide  leth-cheud  bliadhna  air  ais,  bithidh 
a'  tighinn  am  cHuimhne  briathran  a  sgriobh 
an  t-Urr.  Lachlann  MacCoinnich  ("  Maighstir 
Lachlann  "),  ministear  Loch  Carrann,  anns  a' 
bhliadhna  1794?.  "  Tha  an  t-uisge  daonnan  a' 
sileadh  anns  an  aite  so,"  ars'  esan,  "  ach  o 
chionn  beagan  bhliadhnaichean  saoilear  gu'm 
bheil  an  aimsir  a'  las  na  's  naiosa.  Gabhar  a 
h-uile  rud  mar  chomharradh  gu'm  bheil  e  dol 
a  shileadh.  Ma  bhitheas  an  latha  blath  no 
teth,  bithidh  an  t-uisge  againn  a  dh'  aithghearr. 
Ma  thoisicheas  feannag  ri  geolam,  's  ann  a' 
glaodhaich  air  son  uisge  a  tha  i  ;  ma  dhorch- 
aichear  na  neoil  no  ma  bhitheas  ceo  air  mullach 
nam  beann,  thig  an  t-uisge.  Ann  am  facal,  chi 
an  Gaidheal  rabhadh  an  uisge  ann  an  rud  sam 
bith,  agus  cha  bhi  cunnart  ann  gu'm  breugaich- 
ear  e  'n  a  fhaistneachd." 

Ma  tha  eagal  air  daoine  roimh  Hitler  is 
Mhussohni  an  diugh,  bha  a'  cheart  uidhir  eagail 
aig  ar  n-aithrichean  roimh  Napoleon.  Ma  tha 
cogaidhean  anns  an  t-saoghal  an  diugh  agus 
iomradh  air  cogaidhean,  an  Tobh  am  ann  riamh 
anns  nach  robh  sin  naar  sin  ?  'S  gann  gu'm 
bheil  aobhar-eagail  'n  ar  measg  an  drasda  nach 
f  haighear  a  choimeas  uair-eigin  anns  na  laithean 
a  dh'  fhalbh. 

Adhartas  mor 

An  uair  a  chuirear  a'  cheist,  "  Am  bheil  an 
saoghal  a'  fas  na  's  fhearr  ?  "  freagraidh  moran, 
"  Chan  'eil  "  ;  ach  tha  mi  fhein  gle  chinnteach 
gu'm  bheil,  agus  bu  mhath  leam  aire  a  thionn- 
dadh  a  dh'  ionnsuidh  cuid  de  na  nithean  a  tha, 
a  reir  mo  bharail-sa,  a'  nochdadh  gu'm  bheil 
sinn  ann  an  doighean  sonruichte  moran  na  's 
fhaide  air  adhart  na  bha  ar  sinnsearan,  nithean 
dochasach  nach  fhaod  sinn  a  bhi  a'  cur  an 
suarachas. 

Thubhairt  an  Tighearna  losa  Criosd  nach  ann 
ann  am  mor  phailteas  nan  nithean  a  tha  e  a' 
sealbhachadh  a  tha  beatha  an  duine  a'  comh- 
sheasamh,  agus  mar  sin  cha  dean  sinn  uaill  a 
nithean  ura  innleachdach  mar  a  tha  an  Radio 


agus  am  beart-ola  agus  gach  uidheam-dealain 
agus  inneal  eile  a  tha  againn.  Tha  moran  de 
na  nithean  iira  maith  agus  feumail,  ach  chan 
'eil  buaidh  naomhachaidh  aca,  agus  feudaidh 
cuid  aca  eadhon  a  bhi  air  an  cur  gu  mi-fheum. 
Feudaidh  soitheach-adhair  do  ghiulan  a  America 
ann  am  beagan  uairean  a  thide,  ach  chan  fhag 
sin  dad  na  's  sona  thu,  no  na  's  fhaisg  air 
rioghachd  neimh.  Agus  is  muladach  gu'm 
bheil  an  diugh  na  h-innleachdan  iira  sin,  a  dh' 
fheudadh  a  bhi  'n  an  goireasan,  air  an  uis- 
neachadh  gu  bhi  a'  milleadh  agus  a'  marbhadh. 
Mar  sin,  ma  tha  sinn  dol  a  dh'  amharc  air  son 
adhartais,  cha  choir  dhuinn  bhi  riaraichte  gu'm 
bheil  meadhonan  na  beatha  (is  e  sin,  nithean 
saoghalta  a  tha  a'  leasachadh  cor  aimsireil  an 
duine)  a'  fas  na  's  fhearr  agus  na  's  lionmhoire. 
Is  i  a'  cheist,  am  bheil  a'  bheatha  fhein  a'  fas 
na  's  fhearr. 

Fianuis  nam  maithean 

'S  e  rud  neonach  a  tha  ann  gu'n  robh  daoine 
anns  gach  linn  ag  ardachadh  nan  linntean  a 
dh'  aom  agus  a'  di-moladh  an  latha  fein.  Anns 
a'  bhliadhna  1867  thubhairt  an  t-Ollamh  Mata 
Arnold,  ughdar  ainmeil,  gu'n  robh  "  cuan  a' 
chreidimh  air  traghadh  gu  buileach,"  agus  cha 
tug  e  fainear  gu'm  feura  lionadh  tighinn  an 
deidh  tr^ghaidh.  An  1846  thubhairt  am 
Morair  Melbourne,  "  An  uair  a  bha  mi  am 
bhalach  bg  bha  a  h-uile  neach  crabhach  ach  a 
nis  'n  am  shean-aois  chan  'eil  neach  sam  bith 
crabhach."  Ann  an  1769  thubhairt  Seumas 
Boswell  gu'n  robh  e  de'n  bheachd  gu'n  robh 
na  's  lugha  creidimh  's  an  rioghachd  aig  an  am 
ud  na  b'  abhaist.  An  1751  rinn  an  t-Easbuig 
Butler  caoidh  gu'n  robh  creideamh  agus  crabh- 
adh  air  crionadh  air  falbh  gu  buileach,  agus 
mu'n  am  cheudna  b'e  beachd  Iain  Wesley  gu'n 
robh  an  duthaich  so  air  creideamh  a  thur- 
threigsinn.  An  1721  thubhairt  an  t-Easbuig 
Berkeley,  "  Anns  na  laithean  so  tha  an  sluagh 
coma  CO  dhiu  mu  chrabhadh  agus  mu  chreid- 
eamh  agus  mu  aoradh  Dhe." 

Anns  na  laithean  deireannach 

A'  dol  ceum  na  's  fhaide  air  ais,  cluinnear  an 
aon  fhonn  tiamhaidh  anns  gach  ginealach. 
Nach  e  sin  an  aon  duan  a  bha  aig  Gideon  mu 
thri  mile  bliadhna  air  ais  agus  e  a'  cuimhneach- 
adh  air  miorbhuilean  agus  maitheasan  Dhe  do 
Israel  anns  na  laithean  o  shean  an  coimeas  ri 
cruaidh-chasan  a  latha  fhein.  Chan  e  mhain 
gu'n  robh  daoine  riamh  anns  gach  linn  a' 
saoilsinn  gu'n  robh  ciiisean  an  t-saoghail  a'  dol 
na  's  miosa,  ach  bha  iad  a'  greimeachadh  air 
earrannan  as  an  Sgriobtur  fhein  a  bha  a  reir 
coltais  a'  teagasg  gur  ann  mar  sin  a  tha  Dia  a' 
runachadh,  no  co  dhiu  gur  ann  mar  sin  a  tha 
Dia  a'  faicinn  chuisean  a'  dol. 
{Mi  leantuinn) 


Aireamh  7 


939 


Luachmhorachd  an  Tighearna  losa 

Leis  an  Urramach  Calum  MacLeoid,  M.A.,  Both-Chuidir 
" Dhuibh-se uime sin  achreideas  thae  luachmhor." — 1  Peadair  ii.  7. 


THA  bhi  a'  creidsinn  a'  ciallachadh  chan  e 
mhain  a  bhi  gabhail  ri  briathran  is  ri  geall- 
aidhean  an  Tighearna  mar  an  fhirinn — tha  sin 
ann — ach  a  bhi  gabhail  ris-san,  agus  a  bhi 
beathachadh  air  mar  Dhia  is  mar  Shlanuighear. 
Tha  a  bhi  creidsinn  a'  ciallachadh  a  bhi  gabhail 
ri  Criosd  mar  an  Ti  a  tha  tabhairt  dhuinn 
beatha,  agus  saorsa,  agus  sith,  agus  sin  gu 
siorruidh  ;  a  bhi  gabhail  ris-san  agus  a  bhi 
beathachadh  air  mar  Shlanuighear  is  fear- 
graidh  ar  n-anama  ;  agus  an  uair  sin  tha  gach 
ni  a  their  e  is  a  gheallas  e  fior  is  seashmhach 
dhuinn,  creididh  sinn  iad  seach  gur  h-esan  a 
labhair  iad.  Dhaibh-san,  ma  ta,  a  tha  a'  creid- 
sinn ann,  tha  e  luachmhor. 

De  a  nis  a  tha  deanamh  ni  no  neach  luach- 
mhor do  dhuine  sam  bith  ?  Tha  a  dha  no  thri 
dh'  aobharan  air  an  sin. 

I.  A?i  toiseach  tha  ni  luachmhor  nuair  a  tha  e 

annasach,  no  gann,  no  eireachdail 

Tha  clach  luachmhor  nuair  a  tha  a'  chlach  sin 
gann  agus  annasach.  A'  chlach  a  tha  's  an 
fhainne  air  a'  mheoir  tha  i  luachmhor  seach  gu 
bheil  i  gann  agus  annasach  is  eireachdail  ;  nam 
bitheadh  i  cho  pailt  is  cho  cumanta  ris  na 
clachan  air  druim  an  rathaid-mhoir  cha  bhith- 
eadh  i  idir  cho  luachmhor  agus  cha  mho  bhith- 
eadh  1  'san  fhainne.  Mar  is  gainne  agus  is 
annasaiche  a'  chlach  is  ann  as  luachmhoire  a 
mheasar  i.  Tha  mar  sin  an  ni  a  tha  gann  agus 
annasach  luachmhor.  Chi  thu  's  a'  phaipeir- 
naidheachd  an  drasda  's  a  rithist  beag  fhortan 
air  a  phaigheadh  air  leabhar  a  tha  fior  ghann. 
Theagamh  nach  b'  fhiach  an  leabhar  ach  beagan 
thasdan  'nuair  a  chaidh  a  chlodh-bhualadh,  ach 
dh'  fhas  e  gann  agus  a  nis  tha  e  cho  luachmhor 
agus  gu  bheil  fiach  beathachadh-teaghlaich  ann 
fad  am  beatha.  Tha  luideag  bheag  de  leabhar 
no  dha  agam  f  hein  agus  tha  iad  luachmhor  chan 
ann  air  an  son  fhein  a  mhain,  ach  a  chionn  is  gu 
bheil  iad  ro  thearc  r'  am  faotainn — aon  dhiubh 
Leabhar  Cheist  nam  Mathar  anns  a'  cheud 
chlodh-bhualadh  an  Gaidhlig.  Chan  'eil  an 
diugh  ach  tri  dhiubh  maireann,  no  ri  am  faotainn. 
Gheibh  thu  r'  a  cheannach  an  clodh-bhualadh 
mu  dheireadh  de'n  leabhar  so  air  son  sgillinn 
no  dha,  ach  seach  gu  bheil  a'  cheud  chlodh- 
bhualadh  gann,  agus  gun  's  an  t-saoghal  dhiubh 
an  diuffh  ach  a  tri  tha  e  luachmhor.     Tha  daoine 


a'  cur  meas  air  agus  e  gann  is  annasach,  agus 
mar  sin  tha  e  luachmhor. 

Seall  an  luach  a  bhathas  a'  cur  an  larla  Haig 
's  a'  chogadh,  agus  am  meas  a  bha  air  mar 
cheannard-airm,  is  mar  dhuine  glic  agus  diadh- 
aidh  ;  cha  robh  mac-samhail  dha  ann.  Bha 
saighdearan  is  ceannardan  eile  feumail  is 
seasmhach  is  dileas  eadhon  gu  bas,  ach  bha  esan 
mar  shaighdear  is  mar  cheannard  is  mar  Ian 
dhuine  sonraichte  da  riribh  ;  cha  robh  a  leithid 
ach  gann,  ma  bha  iad  idir  ann,  agus  mar  sin  bha 
e  luachmhor  d'  a  rioghachd  is  do'  n  t-saoghal,  is 
do  chuis  a'  cheartais.  So,  a  charaid,  mar  a  tha 
Criosd  dhaibh-san  a  tha  creidsinn  ;  chan  'eil  a 
leithid  eile  ann,  tha  e  sonraichte  am  measg 
dheich  mile,  agus  am  measg  a'  chinne-daonna 
agus  ainglean  gu  leir  ;  tha  e  sonraichte  agus 
gun  choimeas  dhaibh-san  a  thug  gradh  dha  agus 
a  ghabh  ris  mar  Shlanuighear  ;  tha  e  luachmhor 
dhaibh ;  luachmhor  agus  gun  a  mhac-samhail 
eile  ann.  Tha  e  uile  ionmhuinn.  "  Mar 
chrann-ubhal  am  measg  chrann  na  coille,  is 
amhuil  mo  riin-sa  am  measg  nan  oganach  :  fo  a 
sgaile  mhiannaich  mi  agus  shuidh  mi  sios,  agus 
bha  a  thoradh  mills  do  mo  bhlas  ;  threoraich  e 
mi  do  thigh  an  fhiona,  agus  b'  i  a  bhratach 
tharum  an  gradh." 

2.    Tha    an    Slanuighear    beannaichte    a    rithist 
luachmhor  air  son  an  fheum  a  tha  ann 

Tha  an  t-6r  luachmhor  chan  ann  a  mhain  air 
son  an  luach  a  tha  ann  fhein,  agus  a  chionn  gu 
bheil  e  gann — tha  e  sin  is  e  a  tha — ach  air  son  an 
fheum  a  ni  e.  Nithear  iomadach  ni  de'n  or  ;  is 
iomadh  feum  air  son  a  bheil  e.  Nithear  soith- 
ichean  dheth,  agus  tha  na  soithichean  sin  na's 
urramaiche  is  na's  luachmhoire  is  na's  maisiche 
na  soithichean  eile.  Nithear  dealbh  is  cruth 
nithean  dheth,  agus  tha  iad  na's  urramaiche  is 
na's  eireachdaile  na  gum  biodh  iad  deanta  de 
chloich  no  de  stuth  sam  bith  eile.  Tha  cuid- 
eachd  an  ciiineadh  as  feumaile  is  as  luachmhoire 
air  a  dheanamh  de'n  or. 

Ach  is  ann  a  tha  an  t-6r  feumail  da-riribh  anns 
na  gheibh  e  dhuinn.  Ciod  e  an  goireas  no  am 
feumalachd  nach  ceannaich  an  t-6r  dhuinn.  Cha 
mhor  nach  fhaigh  e  dhuinn  uile  fheumalachd 
na  beatha  's  an  t-saoghal-sa,  tuar  is  tacar  is  tigh 
is  aodach,  agus  gach  comhfhurtachd  eile  air  a 
bheil  sinn  a'  cur  feum.    Is  mor  agus  is  eugsamhla 


2 


LUACHMHORACHD  AN  TIGHEARNA  lOSA 


an  f  heum  a  tha  's  an  or  a  thuilleadh  air  an  luach 
a  tha  ann  f  hein. 

Tha  an  t-uisge  luachmhor  ah*  son  an  f  heum  a 
tha  ann  gu  fas  a  thabhairt  air  toradh  na  talmh- 
ainn,  gus  ar  nighe  is  ar  glanaidh,  gus  ar  pathadh 
is  ar  n-iot  a  chasgadh  ;  is  iomadh  feum  a  tha's  an 
uisge,  cha  tig  duine  no  ainmhidh  beo  as  aonais. 

Tha  peann  luachmhor  air  son  an  f  heum  a  tha 
ann  gu  sgriobhadh  ;  faodaidh  e  bhi  grinn  agus 
maiseach,  eadhon  de'n  or  fhein,  ach  is  ann  a  tha 
luachmhorachd  a'  phinn  a  co-sheasamh  anns  an 
f  heum  a  tha  ann  gu  sgriobhadh.  Tha  am  peann 
luachmhor  air  son  na  ni  e.  An  am  an  earraich 
tha  spaid  is  crann  feumail  do  fhear  an  aitich  is 
an  treabhaidh  ;  tha  iad  luachmhor  air  son  an 
f  heum  a  tha  annta.  Tha  biadh  luachmhor  chan 
ann  a  mhain  ann  fhein,  air  a  ghrinnead  is  air  a 
bhlasad,  ach  gu  h-araidh  gu  bheil  e  feumail  gus 
ar  beathachadh  is  ar  neartachadh  is  ar  cumail 
beo.  Agus,  anam,  tha  an  Tighearna  luachmhor 
air  son  an  fheum  a  tha  ann  dhuinne  a  chreid. 
Bha  sinn  a'  cur  feum  air  beatha,  beatha  naomh 
agus  shiorruidh  agus  thug  esan  sin  dhuinn  ;  tha 
sinn  a'  cur  feum  air  glainne  is  maitheanas 
peacaidh  agus  f  huair  sinn  sin  troimhe-san  ;  tha 
sinn  a'  cur  feum  air  biadh  is  beathachadh  do  ar 
n-anam  agus  fhuair  sinn  sin  ann-san.  O  !  na 
fhuair  sinne  a  tha  creidsinn  troimhe-san.  An 
fheum  a  tha  ann,  agus  na  rinn  e  dhuinn.  Tha  e 
luachmhor  dhuinn  da  riribh. 

'S  e  mhaitheas  dhuit  gu  grasmhor  caoin 

gach  peacadh  annad  fein, 
'S  e  bheir  dhuit  slaint  is  furtachd  fos 

o  t'e  euslaintibh  gu  leir. 
Do  bheatha  fos  o  sgrios  a  bhais 

'se  dh'  fhuasglas  dhuit  gu  pailt : 
'S  e  chriinas  thu  le  coron  graidh 

's  le  trocair  chaoimh  gun  aire. 
Le  mhaitheas  is  le  thiodhlacaibh 

sar  lionaidh  e  do  bheul : 
'S  tha  t'  oige  air  a  nuadhachadh 

mar  iolar  luath  na  speur. 

Dhuibhse  uime  sin  a  chreideas  tha  e  liiachmhor. 
Agus  an  fheum  a  tha  ann  dhuinne  gu  bhi 
toirt  eolas  dhuinn  air  an  Athair,  agus  air  beann- 
achdan  is  buadhan  an  Athar  ;  agus  oirnn 
fhein  agus  air  ar  suidheachadh ,  is  air  ar  staid 
mar  pheacaich  chaillte  ach  a  shaoradh  leis-san 
agus  tre  ghradh-san.  Tha  e  luachmhor  dhuinn 
air  son  an  eolais  bheo  agus  spioradail  a  tha  e 
buileachadh  oirnn.  Is  esan  ar  maighstir  is  ar 
fear-teagaisg  ann  an  nithibh  spioradail ;  anns 
na  nithibh  sin  a  bhuineas  do  Dhia  agus  do 
rioghachd  Dhe  's  an  t-solus.  Tha  e  luachmhor 
air  son  an  fheum  a  tha  ann  's  an  t-seagh  so 
dhuinne  a  chreid. 

Gaisgich  na  rioghachd 

Dh'  fhaodainn  ainmeachadh  cuideachd,  agus 

cuii'idh  tu  do  sheula  ris,  gu  bheil  e  luachmhor 

air  son  an  fheum  a  tha  ann  gu  bhi  'g  ar  toirt 

air  adhart  ann  an  lanachd  is  neart  beatha  na 


diadhachd.  Tha  e  gu  bhi  toirt  cinneis  is  fas  air 
an  neach  sin  a  tha  creidsinn  ann.  Seall  air  a' 
mhuinntir  sin  a  dh'  fhas  laidir  is  calma  is  eir- 
eachdail — mor  anns  gach  doigh — ^ann  an  Dia, 
nach  ann  troimhe-san  a  bha  iad  mar  sin  ? 
Cuimhnich  air  Peadar,  is  Eoin ;  air  Pol,  is  Muire 
Magdalen  ;  air  Augustin,  is  Frannsaidh  Assisi ; 
air  Ninian,  is  Calum-cille ;  agus  air  na  naoimh  eile 
as  aithne  dhuit,  nach  ann  tre-san  a  bha  iad  an 
ni  a  bha  iad,  agus  a  tha  iad  an  diugh,  sar  ghaisg- 
ich  rioghachd  Dhe.  O  !  an  fheum  a  rinn  e 
dhaibh-san,chanionghnadhidirged  a  bhitheadh 
e  luachmhor  dhaibh.  Agus  dh'  fhaodadh  sinne 
fianuis  a  thogail  air  an  fheum  a  bha  agus  a  tha 
ann  dhuinne,  ann  a  bhi  toirt  fais  air  gach  buadh 
is  beannachd  grasmhor  a  bhuilich  e-fhein  air  ar 
n-anam  le  sinn  a  bhi  creidsinn  ann.  Ged  a  tha 
sinn  cho  crion  is  cho  lag  is  cho  aineolach  chan 
ann  aige-san  a  tha  choire  sin  ach  againne  nach 
'eil  a'  creidsinn  ann  gu  dileas  is  gu  h-iomlan  is 
gu  simplidh.  Rinn  eadhon  am  beag  chreideamh 
a  tha  againn  e  luachmhor  'n  ar  stiilean-ne. 

Mo  ghaol,  mo  ghradh  is  m"  eudail  thu, 
'  M'  ionntas  tir  is  m'  aoibhneas  thu 

Mo  mhacan  alainn  ceutach  thu 
Chan  fhiu  mi-fein  a  bhi  'd  dhail. 

Ge  mor  an  t-aobhar  cliii  dhomh  e, 
Is  m6r  an  t-aobhar  curaim  e 
Is  mor  an  t-aobhar  iimhlachd  e    " 
Righ  nan  dial  bhi  'm  laimh. 

Dhuibhse  uime  sin  tha  e  luachmhor. 

Tha,  agus  air  son  na  choisneas  e  dhuinn 
f hathast  :  neamh  fhein,  agus  beatha  agus  sonas 
siorruidh  maille  ris  fhein  agus  ris  na  naoimh  ann 
an  gl6ir,seadh  agus  caidreamh  an  Athar  ghradh- 
aich,  agus  an  t-seirbhis  sin  air  neamh  a  tha  'na 
beatha  is  'na  h-urachadh  is  'na  solas  maille  ris 
fhein  gu  saoghal  nan  saoghal.  O  !  na  choisneas 
e  dhaibh-san  a  tha  creidsinn  ann,  agus  na  ni  e 
air  an  son  a  thuilleadh  air  na  rinn  e.  Tha  e 
dhaibh-san  do-labhairt  luachmhor  ;  tha,  O  tha. 
Am  bheil  e  luachmhor  mar  so  dhuit  fhein,  a 
charaid  agus  a  bhana-charaid  ?  « 

3.   Tha  e  a  rithist  luachmhor  seach  gu  bheil  daimh 
is  ceangal  aige  ruinn 

Buinidh  sinn  dha  agus  buinidh  esan  dhuinne. 
Faodaidh  ni  a  bhi  luachmhor  ann  fhein  ach  mur 
'eil  ceangal  no  buinteanas  aige  ruinn  chan  'eil  e 
luachmhor  dhuinne.  Faodaidh  ni  a  bhi  gann 
is  annasach  gu  leor,  ach  chan  'eil  e  luachmhor 
no  ffeumail  dhuinne  mur  h-eil  coir  againn  air  no 
buinteanas  againn  ris.  Bidh  sinn  a'  leughadh 
mu  iomadh  ni  luachmhor  a  tha  ann  an  tirean 
cein  ach  chan  'eil  luach  annta  dhuinne  agus  gun 
cheangal  'sam  bith  againn  riutha.  Tha  daoine 
ann  a  tha  feumail  is  sonraichte  'nan  diithaich 
fhein,  ach  chan  'eil  iad  luachmhor  dhuinne  agus 
gun  cheangal  'sam  bith  againn  riutha.  Cha 
robh  larla  Haig  luachmhor  do  na  Gearmailtich  ; 


BUAIDH  AN  T-SOISGEIL  AIR  AN  T-SAOGHAL 


3 


is  ann  a  bha  e  gle  mhi-luachmhor  dhaibh  ged  bu 
shar  e  am  measg  nam  miltean,  seach  nach  buin- 
eadh  e  dhaibh.  Is  e  an  ni  no  an  neach  a 
bhuineas  dhuinn  fhein  a  tha  luachmhor  is 
miiirneach  againn  ;  agus  ma  bhuineas  e  dhuinn, 
ge  b'e  cho  bochd  is  cho  suarach  is  a  tha  e  aig 
daoine  eile,  tha  e  luachmhor  againne  ;  is  fhada 
bho  chuala  mi  :  "Is  geal  leis  an  fhitheach  isean 
gorm  garrach  fhein."  Is  minic  a  chuala  mi,  is 
mi  'iiam  bhalach,  daoine  ag  radh  mu  dheidhinn 
mnatha  nach  robh  'nam  beachd-san  gle  sgiamh- 
ach  no  sgiobalta  :  "  Chan  'eil  fhios  againn  air 
an  t-saoghal  de  a  chunnaic  e  innte."  An  ta, 
nam  biodh  siiilean  a  fir  'n  an  ceann-san,  agus 
nam  buineadh  i  dhaibh — nam  bu  leo  fhein  i — 
thuigeadh  iad  an  uair  sin.  Tha  neach  luach- 
mhor dhuinn  ma  bhuineas  e  dhuinn,  agus  mar  is 
dluithe  an  daimh  is  ann  as  luachmhoire  tha  e 
againn.  Is  luachmhor  an  leanabh  aig  a'  mhath- 
air,  agus  gur  h-e  a  leanabh  fhein  e. 

Tha  Criosd,  ma  tha,  luachmhor  dhaibh-san  a 
tha  creidsinn,  seach  gu'm  buin  e  dhaibh  agus 
gu'm  buin  iadsan  dhasan.  Is  leamsa  fear-mo- 
ghraidh  agus  is  le  fear-mo-ghraidh  mise. 
Cheannaich  e  sinn  le  fhuil  luachmhor  fhein  air 
a'  chrann,  agus  buinidh  sinn  dha  agus  esan 
dhuinne.  "  Cha  leibh  fhein  sibh  ;  tha  sibh  air 
'ur  ceannach  le  luach."  Thainig  e  a  nuas  o 
neamh   chum   an  t-saoghail-sa   gus   am  biodh 


eolas  againn  air,  agus  gum  buineadh  sinn  dha, 
agus  gum  buineadh  esan  dhuinne  ;  gus  am 
bitheadh  sinn  'n  ar  cairdean  aige,  agus  'n  ar 
cloinn  do  Dhia.  Chan  e  sin  uile  e  ach  thug  e  e 
fhein  gu  bas  air  ar  son  agus  'n  ar  n-aite,  agus 
mar  sin  tha  coir  bais  aig  oirnn  cho  maith  ri  coir 
beatha.  Sheulaich  e  a  dhaimh  ruinn,  agus  a 
choir  oirnn,  le  a  bhas  air  a'  chrann,  agus  ar 
daimh  is  ar  ceangal  ris-san.  Buinidh  e  dhuinne 
a  tha  a'  creidsinn  ann,  le  coir  shiorruidh,  agus 
mar  sin  tha  e  ro-luachmhor  dhuinn. 

Tha  e  mar  so,  a  chairdean,  sonraichte  dhuinn, 
gun  a  shamhail  ann  ;  ar  Slanuighear  is  fear-ar- 
graidh.  Tha  e  feumail  dhuinn  agus  gur  h-ann 
troimhe-san  is  ann-san  a  fhuair  sinn  agus  a  tha 
sinn  a'  faotainn  beannachdan  is  buadhan  beatha 
nan  gras  is  na  fireantachd  ;  agus  gur  h-ann 
troimhe  a  gheibh  sinn  fhathast  Ian  sheilbh  air 
an  oighreachd,  agus  air  pailteas  is  saoibhreas  is 
sonas  nan  neamhan.  Agus  is  leam  fhein  e,  m' 
annsachd,  a  ghradhaich  mi  agus  a  thug  e-fhein 
dhomh  agus  'nam  aite  ;  agus  a  tha  fas  na's 
muirniche  is  na's  maisiche  dhomh  a  h-uile  latha. 

M'  ulaidh  m'  aighear  is  mo  luaidh  thu. 
Rim  is  gaol  is  gradh  an  t-sluaigh  thu. 
'S  tus'  an  Ti  a  bheir  dhaibh  fuasgladh 
Bho  chuibhreach  an  namhaid  uaibhrich. 

Dhuinne  uime  sin  a  tha  creidsinn  tha  e  luach- 
mhor. 


Buaidh  an  t-Soisgeil  air  an  t-Saoghal 

Leis  an  Urr.  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  Eaglais  Chaluim-cille,  an  Govan,  Glaschu 

{Air  a  leantuinn) 


BITHEADH  fhios  so  agad  gu'n  tig  anns 
na  laithean  deireannach  aimsirean  cunnar- 
tach  ;  oir  bithidh  daoine  fein-speiseil,  sanntach, 
raiteachail,  uaibhreach,  toibheumach,  eas  - 
umhail  do  pharantan,  mi-thaingeil,  mi-naomha, 
gun  ghradh  nadurra,  'n  an  luchd-brisidh  coimh- 
cheangail,  tuaileasach,  neo-gheamnuidh,  borb, 
gun  ghaol  do'n  mhaith,  fealltach,  ceann-laidir, 
ardanach,  aig  am  bheil  barrachd  graidh  do 
shaimh  na  tha  aca  do  Dhia,  aig  am  bheil  coslas 
diadhachd  ach  a  tha  ag  aicheadh  a  cumhachd  " 
(2  Timoth.  iii.  1-5).  "  Thig  anns  na  laithean 
deireannach  luchd-fochaid,  ag  imeachd  a  reir  an 
ana-miann  fein,  agus  ag  radh,  C'ait  am  bheil 
gealladh  a  theachd  ?  Oir  o  chaidil  na  h-aith- 
richean  tha  na  h-uile  nithean  a'  fantuinn  mar  a 
bha  iad  o  thoiseach  a'  chruthachaidh  "  (2  Pead. 
iii.  3-4), 

Uilc  anns  gach  linn 
Gun  teagamh  sam  bith  gheibhear  anns  na 
h-amannan  anns  am  bheil  sinne  beo  na  h-uilc 
agus  na  dubhailcean  a  tha  air  an  ainmeachadh 
ann  an  so  leis  na  h-abstoil  Pol  agus  Peadar  mar 
chomharradh  air  na  laithean  deireannach,  agus 


mar  sin  tha  cuid  ag  radh  gur  i  so  an  aimsir 
dheireannach.  Ach  an  robh  riamh  am  no  linn 
ann  anns  nach  robh  na  ceart  uilc  agus  dubh- 
ailcean sin  r'am  faotainn,  agus  sluagh  uime  sin 
a'  saoilsinn  gu'n  robh  crioch  an  t-saoghail  air 
teachd  ?  A  h-uile  uair  a  thainig  plaighean  no 
gort,  no  crith-thalmhainn  mhor,  no  dubhar- 
greine  ;  a  h-uile  uair  a  bhris  cogadh  fuilteach  a 
mach,  a  h-uile  uair  a  shaoil  le  daoine  gu'n  robh 
sluagh  an  latha  fein  na  's  miosa  'n  am  beusan 
agus  'n  an  cion-creidimh  na  sluagh  nan  laithean 
a  dh'  aom,  chluinnteadh  feadhainn  ag  radh  gur 
i  an  aimsir  dheireannach  a  bha  ann. 

Anns  an  t-siathamh  linn  (tri  cheud  bliadhna 
deug  air  ais) ,  am  feadh  's  a  bhatar  a'  togail  eaglais 
iir  's  an  Roimh,  chuireadh  cabhag  ris  an  luchd- 
togail  a  chionn  's  gu'n  robh  droch  amharus  ann 
gu'n  robh  an  saoghal  a'  tighinn  gu  ceann  a  dh' 
aithghearr.  Mu'n  bhliadhna  1000  bha  diiil  air 
feadh  na  Roinn-Eorpa  gu'n  criochnaicheadh  an 
saoghal  's  a'  bhliadhna  1033.  Aig  iomadh  am 
o'n  uair  sin  bha  feadhainn  a  thubhairt  gu'n  robh 
crioch  an  t-saoghail  air  teachd.  Beagan  is 
fichead  bliadhna  air  ais  bha  iomadh  leabhar 
agus  searmon  air  an  toirt  arn  foUais  a'  dearbhadh 


BUAIDH  AN  T-SOISGEIL  AIR  AN  T-SAOGHAL 


gu'm  b'e  Cogadh  Mor  na  h-E6rpa  cath  Arma- 
geddon, agus  aig  an  am  so  fhein  chan  'eil  iad 
tearc  a  tha  de'n  bhai*ail  gu'm  bheil  na  riogh- 
achdan  a  nis  'g  an  cur  fhein  an  ordugh-catha 
air  son  Armageddon. 

Mar  sin,  tha  agus  bha  moran  de'n  bheachd 
gu'm  bheil  e  an  dan  do'n  t-saoghal  dol  am 
miosad,  agus  an  sin  thig  a'  chrioch,  agus  chan 
'eil  teagamh  nach  'eil  earrannan  de'n  Sgriobtur 
a  dh'  fhaodas  a  bhi  air  am  mineachadh  s'  an 
t-seagh  sin. 

Bonn  ar  dochais 

Ach  tha  da  cheist  ag  eirigh  ri  ar  n-aghaidh 
mu'n  chilis.  An  toiseach,  gu  de  feum  a  tha 
's  an  t-soisgeul  mur  'eil  e  an  comas  dha  an 
saoghal  a  dheanamh  na's  fhearr  ?  Agus  a 
rithis,  nach  'eil  Criosd  a'  teagasg  gu'm  bi 
deagh-bhuaidh  an  t-soisgeil  air  an  t-saoghal  a' 
sior-fhas  o  linn  gu  linn  ?  Ann  an  teagasg 
Chriosd  mu  bhuaidh  an  t-soisgeil  air  an  t- 
saoghal  gheibhear  da  rud  gu  sonruichte. 

Anns  a'  cheud  aite,  a  dh'  aindeoin  cumhachd 
an  t-soisgeil,  agus  a  dh'  aindeoin  ged  a  bhitheas 
an  soisgeul  air  a  shearmonachadh  fa-dheoidh  air 
feadh  an  t-saoghail  gu  leir,  bithidh  fhathast 
feadhainn  ann  nach  gabh  ris.  "  Is  cosmhuil 
rioghachd  neimh  ri  duine  a  chuir  siol  maith  'na 
fhearann,"  arsa  Criosd,  ach  bithidh  cogal  am 
measg  a'  chruithneachd,  agus  leigear  leotha  fas 
araon  gus  an  tig  am  fogharadh  (Mata  xiii.  24-30). 

Air  an  laimh  eile,  is  e  doigh-oibreachaidh  an 
t-soisgeil  gu'n  teid  e  o  neart  gu  neart,  agus  mar 
a  tha  na  bhadhnaichean  a'  dol  seachad  gu'm 
faigh  e  barrachd  agus  barrachd  buaidh  air  an 
t-saoghal,  agus  ni  e  atharrachadh  na's  motha 
agus  na's  motha  air  beatha,  agus  beusan,  agus 
cleachdaidhean  dhaoine.  Is  e  so,  saoilidh  mi, 
a  tha  air  a  theagasg  ann  an  cosamhlachd  an 
t-sil  mhustaird  agus  cosarahlachd  an  taois- 
ghoirt  (Mata  xiii.  31-33).  Fasaidh  an  grainne 
beag  de  shiol  mustaird  'na  chrann  mhor,  agus 
bithidh  an  taois-ghoirt  eifeachdach  air  an 
t-iomlan  a  ghoirteachadh.  Chan  'eil  fuaim  sam 
bith  co-cheangailte  ri  siol  agus  e  a'  fas,  no  ri 
taois  agus  e  ag  oibreachadh,  ach  tha  iad  le 
cheile  a'  tighinn  air  an  adhart  a  dh'  aindeoin 
sin.  Mar  sin,  ged  a  dh'  fhaodas  obair  an 
t-soisgeil  a  bhi  dol  air  adhart  gu  samhach  seimh, 
fhathast  tha  e  a'  dol  air  adhart.  Mar  a  thubh- 
airt  am  faidh  Isaiah  :  Is  ann  gu  seimh  a  tha 
an  t-uisge  agus  an  sneachd  a'  frasadh  a  nuas  o 
nfeamh,  ach  tha  iad  ag  uisgeachadh  na  talmhainn 
agus  a'  toirt  air  fas  torach  a  chum  's  gu'n  toir 
e  siol  dha-san  a  chuireas  agus  aran  dha-san  a 
dh'  itheas.  "  Is  amhuil,"  arsa  an  Tighearna 
Dia,  "  a  bhitheas  m'fhocal-sa  a  theid  a  mach  as 
mo  bheul ;  cha  phill  e  am  ionnsuidh  gun  tairbhe, 
ach  coimhlionaidh  e  an  ni  as  aill  leam  agus  bheir 
e  gu  buil  an  ni  mu'n  do  chuir  mi  a  mach  e  " 
(Isa.  Iv.  10-11). 


Comharraidhean  maithe 
Faiceamaid  a  nis  cuid  de  na  nithean  a  tha 
dearbhadh  gu'm  bheil  an  taois-ghoirt  a' 
deanamh  nah-oibre  a  dh'earbadhris.  Thoiream- 
aid  fainear  cuid  de  na  comharraidhean  a 
tha  nochdadh  gu'm  bheil  an  saoghal  a'  fas  na's 
fhearr  air  moran  dhoighean  agus  gu'm  bheil 
an  t-atharrachadh  math  sin  mar  thoradh  air 
buaidh  an  t-soisgeil  air  cridhe,  agus  inntinn, 
agus  beatha  dhaoine. 

Ceud  bliadhna  air  ais  bha  clann  bheag  air 
an  cur  gu  obair  mar  gu'm  bitheadh  traillean 
eadhon  anns  an  rioghachd  againne.  Anns  na 
muilnean-aodaich  anns  a'  bhliadhna  1845  bha 
clann  eadar  seachd  agus  naoi  bliadhna  a  dh'aois, 
agus  eadhon  naoidheanan  aig  aois  tri  agus 
ceithir,  a'  saothrachadh  anns  na  tighean-oibre 
sin  eadar  sia  uairean  deug  agus  ochd-uairean 
deug  's  an  latha.  Mu'n  am  cheudna  bha 
balaich  agus  caileagan  aig  aois  coig  bliadhna  a' 
slaodadh  tubaichean  Ian  guail  anns  na  meinn- 
ean  guail  fo'n  talamh,  agus  iad  leth-ruisgte 
anns  na  tuill  eagalach,  dorcha,  agus  fuar  sin.  Is 
gann  a  ghabhas  so  a  chreidsinn  ach  tha  e  fior. 
Chan  e  nahain  nach  fhaighear  ctiisean  mar  sin 
an  diugh  's  an  rioghachd  so,  ach  mar  an  ceudna 
gu'm  bheil  e  'n  a  ruthadh-gruaidh  dhuinn 
smuaineachadh  gu'n  robh  a  leithid  sin  riamh 
ceadaichte.  Gu  de  rinn  an  leasachadh  fhaot- 
ainn  do'n  chloinn  ?  Rinn  am  Morair  Shafts- 
bury  agus  feadhainn  eile  comhla  ris,  a  dh'aidich 
gu'n  robh  iad  air  an  co-eigneachadh  le  gradh  an 
Ti  sin  a  thog  na  leanaban  'n  a  uchd  agus  a 
bheannaich  iad.  Le  spairn  chruaidh  fhuair  na 
Criosduidhean  uasal  sin  laghan  trocaireach  air 
an  deanamh  gu  bhi  a'  dion  na  cloinne.  Tha 
speis  air  a  nochdadh  an  diugh  do'n  chloinn,  agus 
ciiram  air  a  ghabhail  dhiubh,  mar  nach  robh 
riamh  thuige  so,  agus  sin  mar  thoradh  air 
eisimpleir  Chriosd  agus  buaidh  a  Spioraid-san 
agus  teagasg  a  Shoisgeil. 

Deagh  thoradh  an  t-soisgeil 

Ach  chan  e  mhain  a'  chlann  ach  a  h-uile 
seorsa  a  tha  a'  sealbhachadh  deagh-thoradh 
an  t-soisgeil  ged  a  bhitheadh  iad  fhein 
aineolach  air  an  t-soisgeul  sin.  Faodar  a  radh 
le*  firinn  nach  robh  riamh  uidhir  de  chiiram 
air  a  ghabhail  de  dhaoine  bochda  agus  de'n 
mhuinntir  euslan  ;  cha  robh  riamh  a  leithid 
de  dhion  air  an  fhear-oibreach  an  da  chuid 
'n  a  dhachaidh,  agus  'n  a  obair,  agus  'n  a 
chion-oibre  cuideachd.  Co  a  dh'  aicheas  gu'm 
bheil  sin  uile  a  reir  spiorad  an  t-soisgeil  agus 
mar  thoradh  air  buaidh  an  t-soisgeil  anns  an 
t-saoghal.  Gach  maitheas  agus  gach  goireas, 
gach  saorsa  agus  gach  dion  agus  gach  sochair, 
a  tha  sluagh  ar  latha-ne  a'  mealtuinn,  tha  iad 
uile  a'  sruthadh  o  shoisgeul  Chriosd.  Tha  sinn 
a'  leughadh  's  an  Sgriobtur  mu  atharrachadh 


BUAIDH  AN  T-SOISGEIL  AIR  AN  T-SAOGHAL— DUSGADH  LEODHAIS    5 


mor  a  rinn  losa  an  aon  aite  do'n  tainig  e,  agus 
chaidh  muinhtir  an  aite  a  mach  "  a  dh'fhaicinn 
ciod  e  an  ni  ud  a  thachair,  agus  thainig  iad  chum 
losa."  An  uair  a  lorg-as  tu  air  ais  su  a  cheann 
toiseachaidh  gach  niaitheas  a  tha  anns  an 
t-saoghal  an  diugh,  treoraichear  thu  gu  losa. 
Is  bochd  gu'm  bheil  uidhir  de  dhaoine  a'  diiilt- 
adh  an  dragh  a  ghabhail  na  beannachdan  a  tha 
aca  a  lorg  air  ais  gus  an  tobar  as  an  do  shruth 
iad  ;  tha  iad  a'  mealtuinn  nan  tiodhlacan  agus 
a'  dearmad  an  Ti  a  thug  dhoibh  iad.  Ann  ajn 
moran  de  dhoighean  tha  na  seann  chreuchdan  a 
dh'  aobharaich  fulangas  do  dhaoine  fad  iomadh 
hnn  air  an  slanuchadh  a  nis,  ach,  mar  a  bha 
fior  niu  neach  eile  (Eoin  v.  13),  chan  'eil  f hios  aig 
an  f  headhainn  a  shlanuicheadh  co  e  a  shlanuich 
iad. 

Obair  Shatain 

'S  e  cuspair  mor  a  tha  an  so,  agus  dh'  fhaoda- 
maid  leudachadh  air,  ach  feumar  sgur  le  da  rud 
eile  ainmeachadh  a  tha,  a  reir  mo  bharail-sa,  a' 
nochdadh  gu'm  bheil  an  taois-ghoirt  a'  deanamh 
na  h-oibre  a  dh'  earbadh  ris.  'S  e  mo  bheachd 
fhein  gu'm  bheil  a  nis  an  sluagh  cumanta  anns 
gach  rioghachd  ag  aontachadh  gur  e  cogadh 
obair  an  t-Satain,  gu'm  bheil  e  gu  tur  olc.  Tha 
e  fior  gu'm  bheil  sinn  aig  an  am  ann  an  cunnart 
a  bhi  an  sas  an  cogadh  a  rithis,  ach  co  is 
coireach  ?  Co  ach  cuid  de  na  daoine  a  tha 
lionadh  nan  aitean  inbheach  ?  Tha  mi  gle 
chinnteach  gu'm  bheil  an  Gearmailteach  cum- 
anta agus  an  t-Eadailteach  cumanta  agus  am 
Frangach  a'  graineachadh  obair-cogaidh  mar  a 
tha  mise  agus  thusa.  Tha  sluagh  an  t-saoghail 
ag  aithneachadh  mar  nach  robh  iad  riamh  gu'n 
d'  rinn  Dia  de  dh'  aon  f  huil  uile  chinnich  dhaoine 
chum  iad  a  ghabhail  comhnuidh  air  aghaidh  na 
talmhainn  ann  an  sith  agus  ann  am  braith- 
reachas,  agus  co  as  a  thainig  spiorad  a'  bhraith- 
reachais  ach  o'n  Ti  sin  a  theagaisg  dhuinn 
iirnuigh  a  dheanamh  ag  radh  "  Ar  n-Athair  ?  " 
Ma  thig  cogadh,  bithidh  e  doirbh  do  neach 
againn  fuireach  as,  ach  bitheadh  cinnte  againn 
gur  ann  fada  an  aghaidh  an  calach  agus  an 
aghaidh  an  coguis  a  ghabhas  an  sluagh  cumanta 
pairt  ann,  ge  b'e  taobh  air  am  bi  iad. 


Aonachd  spioradail 

A  rithis,  tha  aonachd  spioraid  am  measg  nan 
eaglaisean  'n  ar  latha  mar  nach  robh  ann  riamh. 
Fad  iomadh  linn  bha  e  'n  a  bhacadh  air  aobhar 
Chriosd  's  an  t-saoffhal  sru'n  robh  agus  gu'm 
bheil  sluagh  Chriosd  air  an  roinn  cho  mor 
eatorra  fein.  Tha  na  roinnean  ann  fhathast, 
ach  tha  na  nithean  a  tha  'g  an  dliithachadh  ri 
cheile  a'  sior-fhas  na  's  treasa  agus  na  nithean 
a  tha  'g  an  sgaradh  a'  sior-dhol  an  dichuimhne. 
Ma  dh'  fhaighnichear  ciod  is  aobhar  dha  so, 
chan  'eil  ann  ach  aon  fhreagairt,  agus  is  e  sin 
gu'm  bheil  gach  latha  a'  toirt  na  's  fhaisge  an 
t-ain  anns  an  lan-choimhlionar  iirnuigh  Chriosd 
gu'm  bitheadh  iad  uile  'n  an  aon.  Bha  mi  a' 
leughadh  an  raoir  mu'n  choinneamh  mhor  a 
chruinnich  ann  an  Tambaram  's  na  h-Innsean 
aig  deireadh  na  bUadhna  so  chaidh.  Bha  suas 
ri  coig  ceud  pearsa  cruinn  ann  an  sin  ;  thainig 
iad  a  suas  ri  tri  fichead  agus  a  deich  de  dhiith- 
channan  air  feadh  an  t-saoghail  ;  agus  bha  iad 
a'  riochdachadh  nam  moran  eaglaisean  eadar- 
dhealaichte  d'am  buineadh  iad.  Bha  iad  crmnn 
air  cheann  's  gu'n  tuigeadh  iad  na  b'  fhearr  toil 
Dhe  agus  a  chum  's  gu'm  bitheadh  na  h-eaglais- 
ean  d'am  buineadh  ia5  a'  saothrachadh  na  's 
dliiithe  lamh  air  laimh  ann  an  aobhar  an  Tigh- 
earna.  Bha  iad  an  sin  as  gach  treubh  agus 
cinneach,  bha  iad  de  gach  dath  agus  seorsa. 
Chan  'eil  cumhachd  sam  bith  's  an  t-saoghal  as 
urrainn  daoine  a  thoirt  ri  cheile  's  an  doigh 
iongantach  sin  ach  aon  chumhachd  a  mhain, 
agus  is  e  sin  cumhachd  spiorad  Chriosd. 

Air  a  righ-chathair 

Anns  an  latha  so,  agus  uidhir  nithean  ann  gus 
ar  sarachadh  agus  ar  claoidh  is  maith  a  bhi  'g 
amharc  air  na  nithean  dochasach.  Is  eigin  do 
Chriosd  rioghachadh  gus  an  cuir  e  a  naimhdean 
uile  fo  a  chosaibh.  Tha  na  comharraidhean 
againn  gu'm  bheil  Criosd  air  a  righ-chathair 
agus  chan  'eil  Dia  'n  a  thamh.  Deanar  riogh- 
achdan  an  t-saoghail  'n  an  rioghachdaibh  do  ar 
Tighearna  agus  d'a  Chriosd-san,  agus  bithidh  e 
'n  a  righ  gu  saoghal  nan  saoghal. 


Dusgadh  Leodhais 


(Bha  an  t-iomradh  so  air  an  dusgadh  a  tha  an  Leodhas  air  a  sgriobhadh  le  fear  de  mhinistearan  an  eilein  ; 
duine  a  dh'  fhaodar  earbsa  a  chur  'n  a  ghliocas  agus  'na  thtiigse  spioradail. — Am  Fear-deasachaidh.) 


GUN  teagamh  tha  diisgadh  ann  an  caochladh 
chearnaidhean  de  Leodhas,  agus  chan  'eil 
duine  glic  sam  bith  a  dh'  fhiachas  ri  stad  a  chur 
air,  no  aon  f hacal  a  labhairt  a  chuireadh  bacadh 
air.  Tha  feum  air  diisgadh  agus  an  tuilleadh 
dheth,  agus  theid  e  moran  na's  fhaide  na  chaidh 
e  fhathast  mus  bi  Leodhas  mar  is  coir  dha  bhith 


a  thaobh  eolas  air  gras  Dhe  agus  dilseachd  do 
Chriosd. 

'S  fhada  bho  thoisich  an  gluasad  a  tha  nis  a' 
tarruing  aire  dhaoine.  Tha  bliadhnachan  o  bha 
fiosraichidhean  a  bha  neo-abhaisteach  aig  cuid 
ann  an  coinneamhan-aoraidh,  gu  sonraichte  ann 
an  Sgire  nan  Loch,  agus  o  bha  daoine  moth- 


6    AN  T-URR.  A.  D.  CAIMBEUL  NACH  MAIREANN,  MANACHAINN  ROIS 


achail  air  cumhachd  neo-fhaicsinneach  a  bha 
lathair  anns  na  coinneamhan.  Aig  amannan 
bha  am  mothachadh  so  cho  laidir  aig  cuid  's 
gu'n  robh  iad  a'  dol  ann  an  seorsa  de  nial.  Chan 
e  gu  robh  iad  a'  call  lorg  orra  fhein  buileach,  ach 
bha  cudthi-om  neo-abhaisteach  air  an  inntinn  a 
bha  toirt  an  Itiths  as  an  cuirp. 

Chan  e  na  h-aon  mhothaichean  a  bha  aig  gach 
neach  dhiubh  so.  Bha  feadhainn  dhiubh  a  bha 
mothachail  air  ealach  peacaidh  orra  fhein  ; 
feadhainn  eile  a  bha  fo  chiiram  air  son  as- 
creideamh  muinntir  sonraichte  ris  an  robh 
ceangal  aca  aon  ehuid  mar  chairdean  no  mar 
choimhearsnaich  ;  feadhainn  eile  a  bha  fo 
bhuaidh  seallaidh  air  moralachd  Dhe  no  gloir 
Chriosd.  Bha  feadhainn  ann,  mar  an  ceudna, 
air  an  robh  laigse  a'  tighinn  nach  b'urrainn 
iomradh  sam  bith  a  dheanamh  air  ciod  a  bha 
'ga  aobharachadh,  no  air  smuaintean  sonraichte 
sam  bith  a  bha  aca  anns  an  nial,  agus  cha  mhotha 
as  urrainn  dhaibh  a  radh  gu'n  tainig  ath-leas- 
achadh  sam  bith  air  am  beatha  spioradail  an 
lorg  na  mhothaich  iad. 

Ach  ged  tha  sin  mar  a  tha  e,  c6  is  urrainn 
breith  a  thoirt  air  an  fhiosrachadh  neo-abhais- 
teach troimh  an  robh  iad  air  an  toirt  ?  no  ciod 
e  a'  bhuaidh  a  dh'  fhaodas  a  bhi  aige  fhathast 
air  am  beatha  spioradail  ?  Tha  diomhaireachd 
anns  a'  cheangal  a  tha  eadar  Spiorad  Dhe  agus 
spiorad  an  duine,  agus  c6  tha  cho  glic  's  gu  lean 
e  obair  an  Spioraid  anns  an  raon  so  ? 

Tha  CO  dhiu  ceithir  chearnaidhean  de'n  eilean 
anns  am  bheil,  gun  teagamh,  beothalas  a  thaobh 
nithean  spioradail,  agus  feitheamh  air  Dia  ann 
an  iirnuigh  nach  urrainn  ach  a  bhi  buanachdail 
do  chuid.  Chan  'eil  gle  fhada  bho  thoisich  an 
gluasad  ann  an  Sgire  an  Rudha,  ach  anns  an 
sgire  so  bho  thoisich  e  tha  corr  air  fichead  neach 
a  tha  toirt  comharraidhean  soilleir  gu'n  tainig 
atharrachadh  air  an  caithe -beatha,  agus  tha 
mi  creidsinn  a  dh'  aidicheas  gu  follaiseach  gu'n 
d'  fhuair  iad  eolas  slainteil  air  Criosd.  Chan 
aithne  dhomhsa  an  aireamh  ann  an  sgireachan 
eile — ann  am  Barbhas  no  air  da  thaobh  Loch 
Eireasort,  ach  a  reir  cunntas  bithidh  buidheann 
mhath  anns  gach  aite  dhiubh  sin  a  fhuair  eolas 
nach  dealaich  riu  air  mathas  Dhe,  agus  air 
cumhachd  tearnaidh  Chriosd. 


Tha  aon  choniharradh  cinnteach  air  nach  ann 
bho  shios  tha  an  gluasad  :  na  h-uile  a  tha  fo  a 
bhuaidh  chan  ann  air  ceisdean  mu  eaglaisean  a 
tha  an  aire  ach  air  tearnadh  an  anama,  agus  tha 
iad  ag  oibreachadh  gu  cridheil  le  neach  sam  bith, 
ge  b'e  eaglais  d'am  buin  e,  a  tha  saothrachadh 
air  son  leas  spioradail  dhaibh  fein  no  do  dhaoine 
eile. 

Gun  teagamh  tha  cuid  a  dhaoine  fo  amharus 
a  thaobh  a'  gluasaid  tha  so,  ach  cha  robh  a 
leithid  riamh  ann  gun  feadhainn  a  bhi  fo  amh- 
arus m'a  thimchioU.  Air  la  na  Cuingis  fhein 
chualas  a  leithid  so  de  chainnt :  "  Tha  na  daoine 
so  Ian  de  fhion  ur."  Cha  do  chuir  sin  stad  air 
an  obair,  tharr  coig  mile  as  le'n  anam  an  la  sin. 

Cha  mho  chuireas  beachdan  dhaoine  as- 
creidmheach  no  comhradh  anns  na  paipearan- 
naidheachd  stad  air  a'  ghluasad  tha  so.  Faodar 
stad  a  chur  air,  ach  tha  an  cunnart  sin  ag  eirigh 
bho  an  taobh  a  stigh,  chan  ann  bho  an  taobh  a 
muigh.  Ma  thoisicheas  iompachain  a'  dean- 
amh  uaill  as  na  fein-fhiosraichean  troimh  an 
deach  iad  agus  a'  sealltuinn  sios  air  muinntir 
eile  aig  nach  robh  fiosraichean  mar  a  bha 
acasan,  sin  far  am  bheil  an  cunnart  a  chuireas 
stad  air  an  obair.  Ach  ma  chiimas  creidmhich  ri 
cheile,  le  inntinn  iriosal  agus  ann  an  spiorad 
brathrachais,  a'  buanachadh  ann  an  urnuigh, 
chan  'eil  fhios  de  an  airde  gus  an  tig  an  obair, 
agus  de  a'  bhuannachd  a  fhaodas  Leodhas  a 
mhealltuinn  co-cheangailte  ris. 

Tha  cunnart  eile  a  dh'  fhaodas  call  a 
dheanamh  dha'n  obair,  Cha  sheas  corp  no 
inntinn  an  duine  ach  tomhais  araidh  de  shaoth- 
air.  Ma  dhichuimhnicheas  daoine  gu'm  bheil 
iad  anns  a'  choluinn  agus  gu  'n  dearmaid  iad 
faicill  dhligheach  a  chleachdadh  a  thaobh  an 
cuirp,  chan  'eil  fhios  de  an  cron  a  dh'  fhaodas 
tachairt  dhaibh  fein  agus  dha  an  obair.  Tha  an 
corp  air  a  thearnadh  le  Criosd  cho  cinnteach  ris 
an  anam,  agus  tha  ciiram  ri  ghabhail  dheth. 
Tha  e  a'  cur  feum  air  biadh  is  deoch  is  cadal  na 
h-oidhche,  agus  is  coir  sin  a  thoirt  dha  anns  na 
h-amannan  iomchuidh.  Mar  is  fearr  fonn  a 
chuirp  's  na  h-inntinn  's  ann  is  comasaiche  sinn 
air  gnothuch  ar  n-anama  a  chuairteachadh  gu 
ceart,  a'  feitheamh  air  Dia  gu  h-uaigneach  no 
gu  follaiseach. 


An  t-Urr.  A.  D.  Caimbeul  nach  maireann, 
Manachainn  Rois 


Le  Iain  N.  Mac  Leoid,  Cnoc-Mhoire 


IS  e  ministear  f  ior  iomchuidh  anns  gach  doigh 
a  bha  anns  an  Urr.  A.  D.  Caimbeul,  minis- 
tear  Eaglais  na  h-Albann,  am  Manachainn  Rois, 
a  chaochail  aig  toi«each  na  miosa  so  chaidh. 
Rugadh  Mgr.  Caimbeul  an  Aird-na-murchann, 


far  an  robh  a  athair,  an  t-Urr.  Neacal  Caimbeul, 
'na  mhinistear  anns  an  Eaglais  Shaoir,  agus  air 
do  a  athair  an  sgire  sin  fhagail,  shaothraich  e 
an  sgire  Uige,  an  Leodhas,  agus  an  deidh  sin 
air  an  Tairbeart  anns  na  Hearadh. 


AIG  AN  UINNEIG— NA  TRI  PEATACHAN 


Fhuair  an  t-Urr.  A.  D.  Caimbeul  gairm 
aonsgeulach  o  choimhthional  na  h-Eaglaise 
Aonaichte  an  Srath-fharagaig  anns  a'  bhliadhna 
1914,  agus  chuir  e  fhein  agus  a  bhean  choir  is  a 
theaghlach  seachad  seachd  bliadhna  diag  anns 
an  sgire  fharsuing  sin.  Bha  meas  iongantach 
aig  muinntir  an  t-sratha  gu  leir  air,  a  chionn  gu 
robh  e  fhein  chb  coibhneil,  cairdeil,  fosgarra,  ris 
gach  neach,  agus  bu  choma  leis  ciod  an  eaglais 
do  am  buineadh  neach  an  uair  a  bhiodh  a 
ghnothuch  ri  duine  sam  bith. 

Dh'  fhag  e  Srath-fharagaig  anns  a'  bhUadhna 
1931,  an  uair  a  ghairm  coimhthional  Eaglais  na 
h-Albann  am  Manachainn  Rois  e,  agus  bha  e 
air  ceann  a'  choimhthionail  sin  gus  an  d'  eug  e. 


Searmonaiche  cuimir,  ordail,  soisgeulach, 
agus  is  ann  da  bu  dual,  c6  a  bu  taitniche  anns  a' 
chtibaid  na  a  athair  coir,  ministear  cho  tlachd- 
mhor  air  searmonachadh  an  t-soisgeil  agus  a 
bha  air  Ghaidhealtachd  'n  a  latha.  Bha  e  glic, 
ciiiseach,  faicilleach,  an  ceann  a  ghairme,  n  a 
charaid  do  gach  aon,  bg  is  sean,  a  chuir  eolas 
air,  agus  cha  chreid  mi  gu'm  b'  urrainn  namhaid 
a  bhi  aige.  Chuir  e  loinn  is  maise  na  diadhaidh- 
eachd  air  dreuchd  na  ministearachd  anns  gach 
cearn  an  robh  e  ri  saoithreachadh,  agus  bidh 
cuimhne  air  iomadh  la  mar  aoghaire  diadhaidh, 
agus  mar  dhuine  grasmhor  gradhach,  a  bha  an 
comhnuidh  a'  searmonachadh  Chriosd  a  Shabaid 
agus  a  sheachduin. 


Aig  an  Uinneig 


Turus  an  Righ  do  Chanada 

THA  a  doighean  fein  agus  a  faireachduinean 
fein  aig  a'  Mhuir,  doighean  agus  faireach- 
duinean a  tha  diomhair  do  chloinn-daoine,  is 
theagamh  gur  e  an  t-aobhar  gu'n  do  chuir  ceo 
agus  mucan-eigh  a'  Chuain  Shiar  moille  air  a' 
charaid  rioghail  air  an  turus  do  Chanada  nach 
toigh  leis  a'  Mhuir  a  bhi  cluinntinn  dhaoine  a' 
seinn  gu  bheil  stuadhan  na  mara  fo  chommand 
air  bith  ach  toil  na  mara  fein,  no  ordugh  Righ 
nan  diil. 

Ach  ma  choinnich  fuachd  agus  ceo  an  Righ 
agus  a'  Bhanrigh  anns  a'  Chuan  Shiar  fhuair 
iad  blaths  agus  coibhneas  agus  iolach  cho  luath 
's  a  rainig  iad  Canada.  Rinn  muinntir  Chanada 
am  beatha  le  cridhealas  agus  dilseachd  nach 
gabhadh  a  bhi  na  b'  fhearr.  Bha  an  aon  Ho- 
sath  'n  an  cluasan  fad  na  h-iiine,  o  Mhontreal 
gu  Vancouver. 

An  uair  a  bhios  daoine  a'  bruidhinn  mu 
Chanada  bithidh  iad  gle  thric  ag  radh  gur  e 
Canada  seud  as  luachmhoire  ahn  an  crtm 
Bhreatuinn.  Tha  sin  fior  gun  teagamh,  oir  is 
e  Canada  dtithaich  as  motha  agus  as  beartaiche 
de  na  duthchannan  thall  a  tha  ceangailte  ri 
Breatunn.  Tha  Canada  corr  agus  tri  mile  de 
mhiltean  o  thaobh  gu  taobh,  is  da  mhile  agus 
ochd  ceud  mile  air  an  rathad  eile.  Tha  tri 
cheud  gu  leth  muillean  acair  de  fhearann  maith 
agus  reamhar  ann,  a  thuilleadh  air  monaidhean 
agus  coilltean,  ach  chan  'eil  ach  mu'n  dara  leth 
de'n  fhearann  air  oibreachadh  fhathast.  Chan 
'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  am  fascruithneachd 
na's  fhearr  na  dh'  fhasas  e  ann  an  Canada  ;  na'n 


robh  Canada  uile  fo'n  chrann  bheathaicheadh 
e  a'  cheathramh  cuid  de'n  t-saoghal. 

Tha  barrachd  de  na  stuthanna  gann  agus 
luachmhor  so  ann  an  Canada  na  tha  ann  an 
duthaich  eile  air  an  t-saoghal  ;  airgiod-geal, 
radium,  zinc,  platinum,  copar,  nickel.  Cha 
mhor  nach  ann  ann  an  Canada  a  tha  nickel  an 
t-saoghail  uile  gu  leir.  Tha  meinean  oir  ann 
cuideachd,  agus  barrachd  fiodha  na  tha  ann  an 
diithaich  air  bith  eile. 

An  aite  a  bhi  a'  ceannach  bathair  o  Bhreatunn 
agus  'g  a  phaidheadh  le  siol  tha  Canada  a  nis 
a'  cur  suas  factories  dhith  fein,  agus  a'  tois- 
eachadh  air  marsantachd  is  malairt  coltach 
ruinn  fhein.  Chan  e  a  mhain  gu  bheil  i  air  son 
cruithneachd,  is  caise,  is  im,  is  feoil,  is  fiodh  a 
reic  ruinn,  ach  bu  mhaith  leatha  acfhuinn  agus 
obair-iaruinn  agus  motor  cars  a  reic  ruinn 
cuideachd,  rud  nach  'eil  idir  a  freagay-t  oirnne. 
Anns  gach  margadh  anns  an  t-saoghal  an  diugh 
tha  Canada  agus  Breatunn  a'  raiteachas  ri  cheile, 
a'  feuchainn  c6  aca  a  gheibh  daoine  a  ni  cean- 
nach agus  reic  riu. 

Ach  ged  tha  Canada  farsuing  agus  beartach 
chan  'eil  ann  de  shluagh  ach  aona  mhuillean 
deug.  Ghiiilaineadh  e  gu  reidh  a  cheithir 
uiread  de  stoc  dhaoine  's  a  tha  air.  Bu  mhaith 
na'n  do  lean  Gaidheil  agus  Albannaich  air  dol 
do  Chanada  mar  bha  iad  a'  deanamh  aon  uair. 
Tha  aobhar  no  dha  air  nach  'eil  daoine  a  nis  a' 
dol  thar  chuantan  a  dh'  iarraidh  an  fhortain, 
ach  is  e  an  fhior  aobhar  nach  'eil  an  t-acras  'g 
an  cur  arin,  agus  gu  bheil  pension  na  seann 
aoise  'g  an  cumail  as. 


Na  tri  peatachan 


CHA  robh  caraid  riamh  aig  a'  mhaigheach  a 
b'  fhearr  na'm  bard  laghach,  Uilleam  Cow- 
per,  aig  an  robh  tomhas  mor  de  spiorad  na 
carantachd  agus   de  spiorad  na  bardachd  'na 


chridhe,  ged  bha  sgaoth  de  sheilleinean  'na 
bhoinneid.  Ann  an  leabhar  beag  boidheach 
tha  an  duine  cneasda  so  ag  innseadh  gu  h- 
abhacach  mu  thri  maighich  a  bha  aige  'n  am 


8 


NA  TRI  PEATACHAN 


peatachan.     Faodaidh  mi  an  sgeul  a  chur  sios, 
facal  air  fhacal,  mar  a  dh'  innis  e  i. 

"  Cha  robh,"  ars  esan,  "  m'  inntinn  no  mo 
bhodhaig  air  ghleus,  ach  bu  mhiosa  dhomh 
diomhanas  seach  a  bhi  ag  obair.  Bha  maigh- 
each  beag,  tri  miosan  a  dh'  aois,  aig  clann 
coimhearsnaich,  ach  a  chionn  nach  robh  iad  'ga 
bhiadhadh  gu  ceart  thoisich  e  air  searg  agus 
air  fas  caol.  Chunnaic  an  athair  gu  robh  iad 
a'  fas  sgith  dheth  agus  dh'  iarr  e  orra  am  maigh- 
each  a  thoirt  dhomhsa.  Bha  mise  toileach  gu 
leor  aoigheachd  a  thoirt  do'n  chreutair,  oir  bha 
mi  an  duil  gu'n  togadh  e  m'  inntinn  air  falbh 
o  nithean  eile  a  bha  cur  dragh  orm  aig  an  am. 
Cha  b'  fhada  gus  an  deachaidh  sgeul  a' 
mhaighich  am  fad  's  am  farsuingeachd,  agus  is 
e  a  thainig  as  a  sin  gu'n  do  thoisich  coimh- 
earsnaich eile  air  maighich  a  thairgsinn  dhomh, 
gus  mu  dheireadh  an  robh  uiread  dhiubh  am 
thairgse  's  gu'm  faodainn  stoc  a  chur  air  baile 
fearainn.  Ghabh  mi  tri  ;  thug  mi  lamh  air 
saorsuinneachd,  is  thog  mi  tigh  dhaibh.  Bha 
a  sheomar  fein  aig  gach  fear  dhiubh.  Fad  an 
latha  bhiodh  iad  a'  ruideas  comhla,  ach  'nuair  a 
thigeadh  an  oidhche  rachadh  gach  fear  d'a 
leabaidh  fein.  B'e  na  h-ainmean  a  thug  mi 
orra  ;  Puss,  Cairistiona,  agus  Ealasaid. 

Creutair  laghach 

Thainig  mi  fein  is  Puss  air  a  cheile  gu  maith, 
is  rinn  sinn  cairdeas  a  dh'  aon  ruith.  Leumadh 
i  'n  am  uchd,  agus  spionadh  i  m'  f halt  le  fearas- 
chuideachd.  Bha  i  aon  uair  bochd  fad  thri 
laithean,  agus  theap  mi  a  call,  ach  leis  a'  chiiram 
a  ghabh  mi  dhith,  a  la  's  a  dh'  oidhche,  thug  mi 
o'n  bhas  i.  B'e  sin  an  creutair  taingeil  'nuair 
a  chaidh  i  na  b'  fhearr  !  Shaoileadh  tu  gu  robh 
i  a'  feuchainn  r'a  innseadh  dhomh  cho  mor  's  a 
bha  i  'n  am  chomain,  oir  dh'  imlicheadh  i  mu 
lamh  gu  cairdeil  ;  an  toiseach  a  ciil,  an  sin  mo 
bhois,  an  sin  mo  mheoir,  's  a  rithist  eadar  nam 
meuran,  rud  nach  do  rinn  i  riamh  roimhe  no  'na 
dheidh  ach  aon  turns  eile  a  bha  i  bochd.  B' 
abhaist  dhomh  a  bhi  'g  a  giulan  a  steach  do'n 
lios,far  am  folaicheadh  i  i  fein  agus  an  caidleadh 
i  fo  phreas.  Bha  so  a'  cordadh  rithe  cho  maith 
's  gu'n  iarradh  i  orm  a'  toirt  leam  do'n  lios  aig 
uair  shonruichte  a  h-uile  latha.  Bheireadh  i 
gnog  air  nao  ghliiin  le  a  spoig,  agus  shealladh  i 
orm  ann  an  doigh  a  bha  a'  ciallachadh,  "  a 
bheil  thu  idir  a'  dol  do'n  lios  an  diugh  ?  "  Mur 
deanadh  sin  feum,  bheireadh  i  air  sgiort  mo 
chota  'na  fiaclan,  agus  dh'  fheuchadh  i  ri  m' 
tharruing  air  slighe  mo  dhleasdanais.  Bha 
Puss  'na  creutair  ciiiin  laghach,  is  tha  mi  Ian 
chinnteach  gu  robh  mo  chompanas  na  bu 
sholasaiche  leatha  na  companas  a  seorsa  fein. 

Nadur  amharusach 

Ach  cha  b'e  sin  do  Chairistiona.  Bha  i  Ian 
de  dhroch  amharus  agus  anabarrach  dur.     Dh' 


fhas  ise  bochd  cuideachd,  ach  ged  a  ghabh  mi 
a'  cheart  churam  dhith  a  ghabh  mi  do  Phuss, 
cha  d'  thug  i  uiread  is  taing  dhomh.  Ma  bha 
i  taingeil  cha  do  leig  i  oirre  e.  'Nuair  a  dh' 
f  heuchainn  ri  cleasachd  rithe,  chasadh  i  a  fiaclan 
mar  nach  bu  chaomh  leatha  idir  a  bhi  mireag 
rium.  Dh'  fhaodainn  a  radh  mu  Chairistiona 
mar  thuirt  am  fear  eile,  "  sliob  thusa  a'  chaill- 
each  is  sgrobaidh  i  thu."  Bha  i  car  mor  dhi 
fein  agus  cha  b'  f hiach  leatha  fearas-chuideachd 
a  dheanamh  comhla  ri  each.  An  uair  annamh 
a  bhiodh  saod  maith  orra  's  a  ghabhadh  i  pairt 
'n  an  cluicheachd,  bha  soluimteachd  'n  a  h- 
aodann  is  tromadas  'n  a  giulan  a  bheireadh  gaire 
ort,  mar  gu'm  biodh  i  ag  radh,  ' '  Diomhanas  nan 
diomhanas,  is  diomhanas  na  h-uile  nithean  !  " 

Creutair  sunndach 

Thainig  am  bas  air  Ealasaid  m'  an  gann  a 
rainig  i  ire  maighich,  ach  bha  i  'na  creutair 
sunndach,  aighearach.  Feumaidh  e  bhith  gu 
robh  full  shaighdearan  innte  oir  cha  do  thiom- 
aich  a  cridhe  riamh  ri  aghaidh  namhaid.  Bhi- 
thinn  'g  an  leagail  a  steach  do  m'  sheomar,  an 
deidh  dhomh  mo  shuipear  a  ghabhail,  agus 
bhiodh  Ealasaid  daonnan  air  thoiseach  anns  na 
luth-chleasan  a  bhiodh  a'  dol.  Dh'  fheuch  an 
cat  aon  oidhche  ri  farming  aisde,  agus  spors  a 
dheanamh  oirre.  Thug  e  boiseag  dhi  air  an 
leth-cheann,  ach  ma  thug,  thachair  a  sheise  ris  ! 
Leum  i  air  a  dhruim  agus  ghabh  i  dha  le  a  casa- 
toisich  mar  gu'm  biodh  drumair  a'  slachdanaich 
air  druma,  gus  am  bu  bhuidhe  leis  teicheadh 
agus  e  f  hein  f  holuch  ann  an  cuil. 

Thainig  am  bas  air  Ealasaid  'na  h-6ige  ;  bha 
Cairistiona  beo  gus  an  robh  i  naoi  bliadhna, 
agus  tha  mi  an  diiil  gur  e  buille  air  chor-eigin 
a  fhuair  i  anns  a'  chaol-druim  a  chuir  crioch 
oirre.  Tha  Puss  choir  beo  fhathast,  deich 
bliadhna  a  dh'  aois,  is  chan  'eil  mi  a'  faicinn  gu 
bheil  comharran  na  h-aoise  a'  luidhe  orra  ach 
a  mhain  nach  'eil  i  cho  aotrum  iollagach  's  a  bha 
i  aon  uair. 

An  cu  agus  am  maigheach 

O  chionn  ghoirid  chuir  mi  i  fein  agus  cii 
anns  an  aon  t-seomar  feuch  am  faicinn  a  bheil 
e  fior,  mar  tha  daoine  ag  radh,  gu'n  leum 
an  cii  air  a'  mhaigheach  agus  gu'n  teich  am 
maigheach  o'n  chii,  cho  cinnteach  's  a  dh'  iarras 
an  tunnag  an  t-uisge.  Rinn  mi  so  gu  maith 
furachail,  oir  cha  bu  mhaith  leam  gu'n  eireadh 
tubaist  do  Phuss  no  gu'n  cailhmi  i.  Ach  cha 
ruiginn  a  leas  ;  cha  do  ghabh  ise  eagal  is  cha 
mho  a  mhaoidh  esan  oirre.  Cha  b'  fhada  gus 
an  do  thoisich  iad  air  aran  itheadh  as  an  aon 
t-soitheach,  is  tha  iad  cheana  cho  gaolach  agus 
cho  measail  air  a  cheile  ri  piuthar  is  brathair. 
Tha  mi  an  diiil,  mata,  nach  'eil  naimhdeas  sam 
bith  eadar  an  cu  agus  am  maigheach  gu  nadurra, 
agus  gur  e  mac  an  duine  fein  a  chuir  eatorra. 


Aireamh  8 


939 


Gaol  anamanna  a  thearnadh 

"DA'  ith  end  do  thighe  suas  mi.'" — Salm.  Ixix.  9. 
"  Tha  mi  a'  gahhail  truais  de'n  t-sluagh." — Iosa  Criosd. 


AN  uair  a  bha  e  beo,  bha  a'  cheist  air  a  cur 
-air  uairean,  co  dhiubh  a  b'e  ministear  ceart  a 
bha  anil  an  Uilleani  Booth,  conimanndair 
Feachd  na  Slainnte,  no  nach  b'e.  Ach  bu 
choma  ciod  an  fhreagairt  a  gheibheadh  a' 
cheist  sin  o  dhaoine,  oir  bha  ministrealachd  an 
duine  ud  air  a  seulachadh  gu  pailt  le  cumhachd 
agus  comharraidhean  an  Spioraid  Naoimh. 

An  uair  a  tha  duine  air  a  shonrachadh  agus 
air  a  chur  air  leth  gu  dreuchd  na  ministrealachd 
ann  an  Eaglais  na  h-Alba  tha  a'  cheist  so 
daonnan  air  a  cur  air,  "  Nach  e  eud  air  son 
gloir  Dhe,  gradh  do'n  Tighearn  Iosa  Criosd, 
agus  deidh  air  anamanna  a  thearnadh,  cho 
fad  's  is  aithne  dhuit  do  chridhe  fein,  na  h- 
aobharan  sonraichte  a  thug  ort  dreuchd  naomh 
na  ministrealachd  a  ghabhail  os  laimh  ?  " 
Cha  robh  duine  riamh  air  thalamh  a  dh' 
fhaodadh  a  radh  na  bu  treibhdhiriche  na 
Uilleam  Booth  gu  robh  a  chridhe  air  theine  le 
meud  a  ghraidh  d'a  Shlanuighear,  agus  le 
meud  a  mhiann  air  anamanna  a  thearnadh. 
Thug  Dia  an  sonas  sin  dha  ann  an  tomhas  pailt, 
gu'n  I'obh  e  'n  a  mheadhon  air  moran  anamanna 
a  chosnadh  d'a  rioghachd  agus  d'a  sheirbhis. 

Geata  an  Aithreachais 

Chan  ann  troimh  an  aon  gheata  a  tha  a 
h-uile  neach  a'  dol  a  steach  do  rioghachd  Dhe, 
oir  tha  iomadh  geata  a'  fosgladh  a  steach  do'n 
bhaile  naomh.  Ach  is  toigh  leis  gach  sear- 
monaiche  seasamh  laimh  ris  a'  gheata  air  an 
deachaidh  e  fein  a  steach,  an  diiil  gur  ann 
troimh  'n  gheata  sin  a  dh'  fheumas  daoine  eile 
dol  a  steach  mar  an  ceudna.  B'e  an  geata  aig 
an  do  sheas  Uilleam  Booth  Geata  an  Aith- 
reachais, no  Geata  an  lompachaidh,  oir  bha  e 
fein  air  iompachadh  'na  ghille  og,  agus  air 
a  thoirt  a  mach  as  an  t-saoghal  neo-dhiadhaidh 
le  cumhachd  Chriosd. 

Cha  luaithe  a  bha  e  air  iompachadh  na 
thoisich  e  air  searmonachadh,  is  cha  d'  atharr- 
aich  e  riamh  o'n  teagasg  a  bha  aige  'n  a  oige. 
Cha  fhreagradh  an  teagasg  sin  air  moran 
dhaoine  eile  a  bha  ag  iarraidh  slighe  na  beatha 
a  cheart  cho  dichiollach  agus  cho  diirachdach 
ris  fein,  ach  bha  e  a'  freagairt  air  an  t-seorsa 
d'  am  biodh  Uilleam  Booth  a'  searmonachadh. 

Bha  e  cinnteach  gu  robh  e  air  iompachadh 


agus  air  a  bhreith  as  tir  le  cumhachd  dhiomhair 
o'n  airde,  agus  cinnteach  cuideachd  gu'm 
faodadh  am  fiosrachadh  ceudna  a  bhi  aig 
daoine  eile  a  bha  aige-san  ;  cridhe  nuadh  agus 
sith  ri  Dia.  Mar  sin  cha  robh  dad  eile  's  an 
t-sealladh  aige  'n  a  shearmonachadh  ach  gu'm 
biodh  peacaich  air  an  iompachadh  agus  air  an 
saoradh  o  chumhachd  a'  pheacaidh  agus  o 
pheanas  siorruidh.  Bha  e  a'  creidsinn  gu 
laidir  ann  an  uamhasan  ifrinn,  agus  do  bhrigh 
gu  robh  e  gu  nadurra  'n  a  dhuine  truacanta, 
caomhail,  cha  b'  urrainn  bha  fantuinn  samhach, 
is  chaidh  e  a  mach  do  chul-shraidean  nam 
bailtean  a  chur  impidh  air  daoine  gun  iad  a  dhol 
sios  do  thruaighe  shiorruidh. 

An  seann  soisgeul 

Uile  laithean  a  bheatha  shearmonaich 
Uilleam  Booth  an  soisgeul  ris  an  abrar  an  seann 
soisgeul  ;  cha  ghabhadh  e  gnothuch  idir  ris  an 
t-soisgeul  iir.  Tha  e  duilich  a  radh  c6  ann 
dhiubh  a  tha  barrachd  de'n  fhirinn  ;  amis  an 
t-seann  teagasg  no  aims  an  teagasg  iir,  ach 
an  uair  a  tha  an  seann  soisgeul  air  a  liubhairt 
gu  diirachdach  le  neach  a  tha  a'  creidsinn  aim  le 
uile  chridhe  tha  buaidh  aige  thairis  air  iiiii- 
tinnean  dhaoine  nach  'eil  aig  an  teagasg  iir. 

"  Tha  mise  a'creidsinn  le  m'  uile  chridhe," 
arsa  Seanalair  Booth,  "  nach  'eil  anus  an 
t-saoghal  ach  da  sheorsa  dhaoine  am  fianius  Dhe, 
am  fireaii  agus  an  t-aingidh,  an  fheadhaiim 
a  tha  iompaichte  agus  an  fheadhaiim  nach  'eil, 
an  fheadhainn  a  tha  saorta  le  cumhachd  Dhe 
agus  an  fheadhaiim  a  tha  f hathast  fo  bhinn  bais 
agus  ifrinn.  Chan  'eil  amis  an  t-saoghal  eile 
ach  da  aite,  neamh  agus  ifreann  ;  mur  gabh 
peacaich  ris  an  t-slainte  bheannaichte  a  tha  air 
a  thairgsinn  dhaibh  tre  f  huil  luachmhor  Chriosd, 
agus  mur  bi  iad  air  an  ath-nuadhachadh  leis  an 
Spiorad  Naomh,  bithidh  iad  caillte  gu  siorruidh  ; 
a'  fulang  piantan  ifrinn,  gun  dochas  ri  faotaiim 
a  mach  as.  Tha  comas  aig  mac  an  duine  le  a 
thoil  fein  air  beatha  a  roghnachadh  agus  ifreann 
a  sheachnadh,  agus  ma  roghnaicheas  e  beatha 
agus  gu'n  gabh  e  ri  trocair  Dhe  le  creideamh 
chan  'eil  de  dheamhain  ami  an  ifreann  na 
chuiiias  e  o  bhi  air  a  shaoradh.  Tha  saorsa  an 
anama  a'  teachd  o  Dhia ;  tha  miorbhuil  na 
h-ath-bhreith  a'  tachairt  anns  an  anam  ann  an 


2 


GAOL  ANAMANNA  A  THEARNADH 


prioba  na  suile,  is  tha  Dia  comasach  agus 
toileach  air  na  daoine  a  ghabh  ri  saorsa  an 
t-soisgeil  a  dheanamh  naomh  ;  corp,  anam, 
agus  spiorad.  Duine  air  bith  a  tha  air  iompach- 
adh  e  fein,  ciamar  a  ghabhadh  e  fois  no  ciamar 
a  dh'  fhanadh  e  balbh,  agus  daoine  eile  a'  dol 
gu  truaighe  shiorruidh  ?  A  mach,  a  mach, 
O  Chriosduidh,  agus  tog  do  ghuth,  agus  cuir 
impidh  air  peacaich  aithreachas  a  dheanamh 
agus  greim  cinnteach  a  dheanamh  air  beatha 
agus  air  neamh." 

Gun  eagal  gun  uamhas 

Tha  moran  dhaoine  an  dull  gu  bheil  iad  a' 
creidsinn  ann  an  ifreann  amis  an  t-seagh  anns 
an  robh  am  facal  air  a  chleachdadh  le  'n  aith- 
richean,  ged  nach  'eil  iad  a'  creidsinn  ann  idir  ; 
tha  iad  a'  leantuinn  air  an  fhacal  uisneachadh 
ged^  nach  'eil  beatha  no  brigh  ann  dhaibh,  agus 
ged  nach  'eil  eagal  no  uamhas  dhaibh  ann. 
Agus  is  e  an  dearbhadh  nach  'eil  iad  a'  creid- 
sinn ann,  gu'n  gabh  iad  am  biadh  agus  gu'm 
faigh  iad  cadal  na  h-oidhche,  agus  gu  bheil  iad 
sunndach  is  sona,  mar  nach  robh  gin  d'  an 
teaghlach  no  d'  an  cairdean  fein  ann  an  ifreann. 
Ciod  air  bith  an  creideamh-paipeir  a  tha  aca, 
chan  'eil  iad  a'  creidsinn  ann  an  da-rireadh  gu 
bheil  am  brathair  no  am  piuthar  fein,  an  athair 
no  am  mathair  fein,  ri  bhi  a'  fulang  gu  siorruidh 
ann  an  ifreann.  Na'm  bitheadh,  bheireadh  e 
bhuapa  an  call  agus  an  cadal,  is  chuireadh  e  a 
mach  iad  a  ghlaodhach  agus  a  ghul  air  na 
sraidibh.  Cha  chuala  mi  ach  aon  duine  riamh 
ag  radh  gu  robh  e  cinnteach  gu  robh  athair  agus 
a  mhathair  ann  an  ifreann,  agus  gu  robh  e  fein 
a'  dol  do  neamh. 

Luachmhorachd  an  anama 

Ach  cha  b'e  creideamh-paipeir  a  bha  ann  an 
ifreann  do  Sheanailear  Booth  ;  bha  an  creid- 
eamh  so  cho  beo  agus  cho  laidir  'n  a  chridhe  ris 
an  dochas  a  bha  aige  ann  an  Dia,  is  cha  b' 
urrainn  e  sealltuinn  air  cruinneachadh  air  bith 
d'a  cho-chreutairean  gun  an  smuain  a  bhi  'n  a 
chridhe  gu  robh  a'  chuid  mor  dhiuljh  a'  dol 
gu  truaighe  shiorruidh,  agus  gu  robh  Dia  'ga 
ghairm-san  bruidhinn  riu  agus  guidhe  orra 
gabhail  ris  an  t-soisgeul  m'  am  biodh  e  ro 
anmoch.  Ged  a  bha  e  'n  a  dhuine  cruaidh, 
smachdail,  aig  an  robh  toil  agus  inntinn  laidir 
bha  co-fhaireachduin  dhiadhaidh  aige  ri  cor 
spioradail  pheacach  a  bha  gle  choltach  ri 
truacantas  agus  caomhalachd  an  t-Slanuigheir. 

Bha  anam  mhic  an  duine  cho  luachmhor  ann 
an  sealladh  Uilleam  Booth,  agus  cor  siorruidh 
an  anama  'n  a  ni  cho  soluimte,  's  nach  biodh  e 
ann  an  comunn  duine  eile  da  mhionaid  gun 
fhaighneachd  dheth  an  robh  sith  aige  ri  Dia. 
Their  sinne  nach  'eil  e  ceart  no  glic  no  modhail 
a  bhi  faighneachd  cheistean  de'n  t-seorsa  sin. 


agus  gur  e  an  t-siobhaltachd  a  tha  'g  ar  cumail 
fein  gun  a  bhi  'g  a  dheanamh,  ach  na'm  b'  aithne 
dhuinn  ar  ci-idheachan  fein  gu  maith,  theagamh 
gu'm  faiceamaid  nach  e  sin  an  t-aobhar  idir, 
agus  gur  e  an  fhior  aobhar  nach  'eil  de  shuim 
againn  ann  an  cor  spioradail  ar  brathar  na 
bheireadh  oirnn  a'  cheist  fhaighneachd  dheth. 

Urracha  mora 

Tha  eagal  orm  nach  biodh  de  mhisnich 
agamsa,  ged  a  gheibhinn  an  cothrom,  a'  cheist 
so  fhaighneachd  de  Winston  Churchhill,  ach 
dh'  fhaighnich  Seanalair  Booth  de  Winston 
Churchill,  an  robh  e  air  iompachadh.  '•  Tha 
eagal  orm  nach  'eil  thu  iompaichte,"  ars  esan, 
"  ach  tha  an  Spiorad  a'  dearbhadh  do  pheacaidh- 
ean  ort." 

Uair  a  bha  e  fein  agus  Cecil  Rhodes  agus  am 
Morair  Loch  comhla  ann  an  carbad-iaruinn  chuir 
e  a  lamh  air  gualainn  Rhodes,  is  thubhairt  e  ris, 
"  Bu  mhaith  leam  bruidhinn  riut  umad  fein  ;  is 
duine  thu  ris  a  bheil  moran  an  earbsa  anns  an 
t-saoghal  so,  ach  innis  dhomh  ciamar  a  tha 
ciiisean  a  thaobh  t'  anama." 

Dh'  fhosgail  am  Morair  an  uinneag,  is  sheall 
e  a  mach,  ach  fhreagair  Cecil  Rhodes,  "  Chan 
'eil  ciiisean  m'  anama,  a  Sheanalair,  cho  maith 
's  a  bu  mhaith  leam." 

"  Am  bi  thu  ag  urnuigh  ?  "  ars  an  seann 
duine. 

"  Bithidh  air  uairean,  ach  cha  bhi  cho  trie  's 
a  bu  choir  dhomh." 

"  Am  faod  mi  urnuigh  a  dheanamh  comhla 
riut  an  so  fhein  ?  " 

"  Faodaidh  gu  dearbh,"  arsa  Cecil  Rhodes. 

Thionndaidh  am  Morair  Loch  aghaidh  air 
falbh,  ach  chaidh  an  dithis  eile  air  an  gliiinean, 
is  dh'  iarr  Seanalair  Booth  air  Dia  ceuman 
Cecil  Rhodes  a  stiuradh,  obair  a  bheannachadh, 
agus  anam  a  shaoradh. 

An  uair  a  dh'  eirich  iad  bharr  an  gliiinean 
thubhairt  Cecil  Rhodes  ris,  "  Tha  mi  an  dochas 
gu'n  lean  sibh  air  a  bhi  ag  iirnuigh  air  mo 
shon." 


Chan  ann  trie  a  chithear  duine  cho  eudmhor 
ann  an  seirbhis  an  Tighearn  ris  an  duine  mhaith 
so,  is  theagamh  gu'm  bi  iomadh  la  m'  am  faicear 
a  lethid  anns  an  rioghachd  so  a  ris.  Duine 
naomh  a  choisrig  a  bheatha  gu  h-iomlan  do 
Dhia  agus  do  sheirbhis  a  bhraithrean  a  chionn 
gu  robh  e  a'  meas  an  anamanna  na  bu  luach- 
mhoire  na  ni  eile  fo'n  ghrein.  Bheannaich 
Dia  a  shaothair  gu  mor,  is  thionndaidh  e  na 
miltean  o  aingidheachd  gu  fireantachd.  ladsan 
a  thioniidaidheas  moran  gu  fireantachd,,  deal- 
raichidh  iad  mar  na  reultan  gu  saoghail  nanl 
saoghal. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  a'  Chathair 


AIR  uairean  bidh  sinn  uile  a'  bruidhinn  gun 
jtXar  briathran  a  thomhas  gu  cothromach, 
agus  ag  radh  nach  'eil  an  saoghal  no  a'  ghineal 
bg  cho  maith  an  diugh  's  a  bha  iad  ann  an 
laithean  ar  n-6ige.  Ach  chan  'eil  anns  an 
fhacal  sin  ach  facal  fhein,  facal  a  bhios  sinn  ag 
radh  ro  chabhagach  an  uair  a  chi  sinn  sud  no 
so  ris  nach  robh  sinn  cleachdte  ;  boireannaich 
oga  a'  coiseachd  air  an  rathad-mhor^  maileid 
air  an  druim,  an  cinn  agus  an  casan  riiisgte,  agus 
gun  stiall  a  dh'  aodach  orra  ach  briogais  ghoirid 
agus  peiteag  cho  tana  's  gu'm  faic  thu  an 
craicionn  troimhpe  ;  no  daoine  a'  dol  'n  am 
ficheadan  a  Peairt  gu  Loch  Nis  air  an  t-Sabaid 
a  dh'  fheuchainn  am  faic  iad  an  Uilbheist,  an 
aite  dol  do'n  eaglais.  An  uair  a  chi  sinn  rudan 
neonach  mar  sin  their  sinn  nach  'eil  boirionnaich 
cho  beusach,  no  daoine  cho  glic,  's  a  bha  iad  aon 
uair,  ach  ged  a  bhios  sinn  'ga  radh,  chan  'eil 
sinn  'ga  chreidsinn  'n  ar  cridhe.  Co  dhiu  chan 
'eil  mise  'ga  chreidsinn. 

Chan  'eil  anns  an  fhacal  so  de  fhirinn  ach  gu 
bheil  an  saoghal  ag  atharrachadh  ;  mur  biodh 
an  saoghal  agus  doighean  dhaoine  ag  atharr- 
achadh bhiodh  sin  'na  chomharradh-bais  oir 
far  a  bheil  beatha  agus  adhartas  an  sin  bithidh 
atharrachadh  agus  doighean  lira.  Thainig 
iomadh  atharrachadh  air  doighean  dhaoine 
agus  air  fasain  an  t-saoghail  o  chionn  leth-cheud 
bliadhna,  ach  tha  mi  an  diiil  gu  bheil  a'  chuid 
as  motha  de  na  atharrachaidhean  sin  chum 
maith  agus  nach  ann  idir  chum  croin. 

Theagamh  nach  d'  thainig  atharrachadh  mor 
air  bith  air  nadur  no  gne  mhic  an  duine  o 
chionn  mile  bliadhna.  Tha  daoine  an  diugh 
car  coltach  ris  mar  bha  iad  an  de,  ach  mur  bheil 
iad  na's  fhearr  chan  'eil  iad  na's  miosa.  Chan 
'eil  mi  a'  faicinn  dearbhadh  sam  bith  gu  bheil 
daoine  na's  ain-diadhaidhe,  no  na's  neo-bheus- 
aiche,  no  na's  miosa  gu  moralta,  na  bha  iad 
anns  na  ginealan  a  dh'  fhalbh,  ach  tha  mi  an 
duil  gu  bheil  iad  rud  beag  na's  tiiraile  ann  an 
nithean  beaga  co  dhiu. 

Mu  stuamachd 

Na'n  abrainn  gu  bheil  daoine  na's  stuama  an 
diugh  na  bha  iad  anns  na  seann  laithean  bhith- 
inn  a'  toirt  breith  air  cuis  air  nach  'eil  e  furasda 
breith  chothromach  a  thabhairt,  oir  tha  stuam- 
achd a'  ciallachadh  iomadh  rud  eile  a  thuilleadh 
air  measarrachd  a  thaobh  dibhe,  is  faodaidh 
daoine  uisge-beatha  a  thur-sheachnadh  ach  a  bhi 
cho  neo-stuama  ris  na  coin  ann  an  nithean  eile  ; 
biadh,  is  boirionnaich,  is  iarrtusan  diomhair  an 
cridhe.  Ach  a  thaobh  fasain  fhollaiseach  an 
oil  tha  atharrachadh  mor  agus  maith  air  tighinn 
air  an  duthaich  ;  tha  a'  ghineal  so  na's  fhearr 
na  bha  a'  ghineal  a  bha  roimhpe. 


An  raoir  fhein  bha  gearrd  air  a'  charbad- 
iaruinn  ag  innseadh  dhomh  mu'n  bhuachaill- 
eachd  a  bhiodh  aige  air  la-margaidh  am  Peairt 
m'  am  faigheadh  e  na  tuathanaich  a  steach  do'n 
train,  agus  an  dara  leth  dhiubh  air  an  daoraich. 
Ach  chan  'eil  dad  dheth  sin  ri  f  haicinn  an  diugh  ; 
tha  mi  an  diiil  gu  bheil  suas  ri  fichead  bliadhna  o 
nach  f haca  mi  duine  air  an  daoraich  ann  am  Blar. 

Bha  barrachd  oil  anns  na  seann  laithean  na 
tha  ann  an  diugh,  agus  barrachd  mionnachaidh 
agus  droch  chainnt,  agus  barrachd  de  chloinn 
dhiolain.  Sin  tri  ceuman  anns  a  bheil  a'  ghineal 
so  air  thoiseach  air  na  ginealan  a  bha  romhainn. 

An  uair  a  bhios  daoine  ag  radh  gu  bheil 
diadhaidheachd  na's  isle  an  diugh  na  bha  i  ri 
linn  an  seanar  is  e  a  tha  'n  an  inntinn  nach  'eil 
uiread  dhaoine  a'  dol  do'n  eaglais,  no  nach  'eil 
iad  a'  dol  innte  a  h-uile  Sabaid  agus  air  da 
cheann  an  la,  no  nach  'eil  an  t-Sabaid  fhein  air 
a  coimhead  mar  b'  abhaist  i  a  bhi  air  a  coimhead 
an  Albainn.  Ach  chan  'eil  sin  a'  dearbhadh 
idir  gu  bheil  an  diadhaidheachd  na's  isle,  no  gu 
bheil  daoine  a'  fas  na's  miosa  agus  na's  neo- 
dhiadhaidhe  ;  chan  'eil  e  ach  a'  dearbhadh  gu 
bheil  am  beachdan  ag  atharrachadh  a  thaobh 
cleachdaidhean  na  diadhaidheachd  agus  la 
na  Sabaid. 

La  na  Sabaid 

Tha  ministearan  agus  seann  daoine  (aig  a 
bheil  cuimhne  air  an  eaglais  a  bhi  Ian  a  h-uile 
Sabaid)  titheach  air  a  bhi  a'  saoilsinn  gu  bheil 
sin  'n  a  chomharradh  cinnteach  air  uidh  an 
t-sluaigh  ann  an  nithean  spioradail.  Ach  chan 
'eil  e  'n  a  chomharradh  cinnteach  idir ;  chan 
'eil  ann  ach  aon  de  chomharraidhean  na  diadh- 
aidheachd, is  tha  comharraidhean  eile  ann  as 
cinntiche. 

Anns  na  seann  laithean  bha  daoine  a'  dol 
do'n  eaglais  a  chionn  gu  robh  iad  cinnteach  gur 
ann  air  son  gu'n  rachadh  iad  innte  a  chuir  Dia 
air  chois  an  t-Sabaid,  agus  a  chionn  nach  robh 
dad  eile  ach  sin  air  a  cheadachadh  dhaibh  le 
lagh  an  Tighearn.  Bha  iad  a'  coimhead  an 
lagha  a  chionn  gu  robh  iad  a'  creidsinn  gur  e 
lagh  Dhe  a  bha  ann,  agus  a  chionn  gu  robh  iad 
a'  faicinn  dhaoine  eile  'g  a  choimhead. 

Ach  theagaisg  an  eaglais  fhein  do'n  ghineal 
bg  an  diugh  nach  ann  fo  lagh  nan  ludhach  a  tha 
iad  ach  fo  lagh  Chriosd  ;  theagaisg  i  dhaibh 
nach  'eil  naomhachd  ann  an  aon  la  den  t-seach- 
duin  seach  ann  an  la  eile,  ach  a  mhain  gu'm  bu 
choir  an  la  air  an  d'  eirich  Criosd  a  bhi  air  a 
naomhachadh  leosan  aig  a  bheil  gradh  dha,  agus 
gu'n  do  shuidhich  an  eaglais  air  tiis  mar  aon 
d'a  riaghailtean  gu'n  coinnicheadh  creidmhich 
air  a'  cheud  la  de  'n  t-seachduin  gu  bhi  a' 
tabhairt  aoraidh  do  Dhia. 


ANNS  A^  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


4 

Cuimhnich,  a  leughadair,  nach  ann  a'  gabhail 
lethsgeul  na  feadhnach  nach  'eil  a'  dol  do'n 
eaglais  a  h-uile  Sabaid  a  tha  mi ;  chan  ann  idir, 
ach  feumar  a  chuimhneachadh  gu  bheil  miltean 
agus  miltean  de  dhaoine  a  tha  a  cheart  cho 
tiirail  agus  cho  maith  riutsa  no  riumsa  aig  nach 
'eil  na  beachdan  no  na  cleachdaidhean  a  tha 
againne  a  thaobh  na  h-eaglais  agus  na  Sabaid. 
Agus  a  reir  choslais  chan  'eil  na  beachdan  no  na 
cleachdaidhean  a  tha  aca  a'  deanamh  coire 
dhaibh ;  theagamh  gu'n  abradh  an  coimh- 
earsnaich  gu'n  teid  iad  a  steach  do  rioghachd 
Dhe  air  thoiseach  oirnne. 

An  eaglais  agus  rioghachd  Dhe 
Ged  nach  toigh  leamsa  a  bhi  cluinntinn 
dhaoine  a'  cur  sios  air  an  eaglais,  no  a'  tionndadh 
air  falbh  bhuaipe,'  tha  f hios  agam  gu'm  faod 
rioghachd  Dhe  a  bhi  a'  teachd  aig  an  dearbh 
am  anns  a  bheil  an  eaglais  a'  dol  air  a  h-ais.  Ma 
smuainicheas  tu  air  na  laghanan  caomhail  agus 
Criosdail  a  rinneadh  ann  am  Parlamaid  Bhreat- 
uinn  anns  a'  ghineal  so,  as  leth  cloinne  agus 
sheann  daoine  agus  bhochdan,  ciod  a  theireadh 
tu  ach  gu  bheil  rioghachd  Dhe  a'  teachd  anns 
an  tir  so,  agus  gu  bheil  inntinn  Chriosd  air  a 
nochdadh  ann  am  beatha  an  t-sluaigh.  Ach 
tha  na  laghanna  maith  agus  Criosdail  siri  air  an 
deanamh  aig  an  dearbh  am  anns  a  bheil  daoine 
ag  radh  gu  bheil  an  saoghal  a'  fas  na's  miosa 
agus  a'  dol  na's  f haide  air  seachran  o  Dhia. 

A  reir  na  seann  aithne  bha  an  t-Sabaid  air  a 
toirt  do  mhac  an  duine  le  Dia  air  son  gu'm 
faigheadh  e  fois  d'a  chorp,  ach  aig  an  dearbh 
am  anns  a  bheilear  ag  radh  gu  bheil  an  diithaich 
a'  mi-naomhachadh  na  Sabaid  tha  a'  Pharlamaid 
a'  deanamh  laghannan  a  thoirt  am  barrachd 
fois,  agus  athais,  agus  saorsa  o  obair  agus  o 
uairean  fada,  do  luchd-oibre  na  diithcha. 

Tobraichean  eile 

Is  e  an  fhirinn  nach  'eil  daoine  an  diugh  an 
urra  ris  an  eaglais  no  ris  an  t-Sabaid  ann  an 
nithean  spioradail  mar  bha  iad  uaireigin  ;  tha 
iad     a'     faotainn     beathachadh     spioradail     a 


tobraichean  eile  cho  maith  ris  an  eaglais,  is  chan 
abrainn-sa  nach  faod  an  t-am  tighinn  anns  an 
dean  rioghachd  Dhe  feum  as  eugmhais  na 
h-eaglais.  Tha  moran  de'n  obair  a  bha  an 
eaglais  a'  deanamh  anns  na  ceud  hnntean  a  nis 
air  a  thoirt  thairis  do  lamhan  eile  agus  do 
bhuidhnean  eile.  Bha  i  aon  uair  a'  gabhail  os 
laimh  daoine  tinne  a  leigheas,  ach  thug  i  thairis 
an  obair  sin  gu  buileach  do  na  dotairean  ;  bha 
i  aon  uair  a'  sealltuinn  as  deidh  nam  bochd, 
agus  a'  teagasg  na  cloinne  anns  na  sgoilean,  ach 
thug  i  a  chuid  sin  d'a  h-obair  thairis  do'n  Staid. 
Chan  'eil  a  nis  air  f  hagail  aice  ach  ministrealachd 
an  Fhacail  agus  frithealadh  nan  Sacramaidean, 
agus  a  thaobh  a'  Bhiobuill  tha  daoine  'ga 
fhaotainn  air  a  mhineachadh  ann  an  leabh- 
raichean,  agus  ann  am  paipearan-naidheachd, 
agus  air  dhoighean  eile,  cho  maith  's  a  tha  iad 
'g  a  fhaotainn  air  a  mhineachadh  anns  an 
eaglais,  agus  air  uairean  na's  fhearr. 

Meadhon-grais  iir 

Mar  so  tha  mi  an  diiil  nach  'eil  daoine  an 
urra  uile  gu  leir  ris  an  eaglais  air  son  an 
treorachaidh  a  tha  feumail  dhaibh  air  slighe  na 
beatha  mar  bha  iad  uair-eigin  ;  ged  nach  'eil 
iad  cho  fritheilteach  air  an  eaglais  's  a  bha  an 
aithrichean,  chan  'eil  sin  a'  ciallachadh  gu'n  do 
thuit  iad  air  falbh  o  ghras  no  o  theagasg  fallan, 
oir  tha  meadhonan-grais  eile  aca,  an  ciiram  a 
tha  an  Staid  a  gabhail  dhiubh  agus  an  teagasg 
a  tha  i  a'  toirt  dhaibh  anns  na  sgoilean  agus  air 
an  Radio  ;  a'  cheart  theagasg  a  gheibheadh  iad 
anns  an  eaglais.  Ged  tha  an  Radio  a'  cumail 
dhaoine  as  an  eaglais,  gu  sonruichte  anns  an 
fheasgar,  tha  an  Radio  fhein  'n  a  meadhon- 
grais  do  mhoran. 

Tha  sluagh  na  diithcha  an  diugh  fada  fada 
na's  fhearr  air  an  doigh  na  bha  iad  riamh  ;  tha 
iad  na's  fhearr  'n  an  slainte,  na's  fosgailte  'n  an 
inntinnean,  agus  na's  sona  'n  an  coltas  agus  'n 
an  giiilan.  Agus  ged  nach  'eil  iad  cho  crabhach 
no  cho  teann  orra  fein  air  an  t-Sabaid  's  a  bha 
an  seanairean,  tha  mi  an  dtiil  gu  bheil  iad  a 
cheart  cho  maith,  agus  theagamh  rud  beag 
na's  fhearr. 


Aig  an  Uinneig 

An  t-Urramach  Seumas  Mac  Fhionghuin,  M.A. 


BITHIDH  moran  dhaoine  ann  an  He  a' 
caoidh  a'  mhinisteir  so,  a  chaochail  o  chionn 
beagan  sheachduinean,  oir  is  ann  ann  an  He  a 
chuir  e  seachad  a  chuid  bu  mhotha  de  laithean 
a  mhinistrealachd. 

Rugadh  e  an  Cinn-tire  an  1865  ;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Ard-sgoil  Ghlaschu  agus  an 
Oil-thigh  Ghlaschu  ;  fhuair  e  cead  searmonach- 
aidh  bho  Chleir  Mhuile  an  1890  ;  bha  e  greis  'n  a 


fhear-cuideachaidh  an  Cill-Bhride,  agus  bhadh- 
na  'n  a  mhinistear-sgire  an  Srath  Fhaolain, 
m'  an  deachaidh  e  do  Chill-Daltan  an  lie,  an 
1894,  as  nach  do  ghluais  e  tuilleadh.  Bha  e 
posda  ri  piuthar  do'n  Ollamh  Eoghan  MacRaing, 
an  Cill  Mhoraig,  is  chaill  e  anns  a'  chogadh  an 
aona  mhac  a  bha  aige.  An  1932  leig  e  dheth 
cudthrom  na  h-oibre  an  Cill-Daltan,  an  uair  a 
bha   an   t-Urramach   Seumas    MacDhomhnuill 


AIG  AN  UINNEIG 


air  a  shuidheachadh  innte  mar  f  hear-cuideach- 
aidh. 

Ged  nach  robh  mi  eolach  air  Seumas  Mac 
Fhionghuin  thachair  mi  air  uair  no  dha,  is  bha 
e  furasda  fhaicinn  gu'm  b'ann  de  sheami  stoc 
Eaglais  na  h-Alba  e,  oir  eadhon  gu  ruig  an  ad  a 
bhiodh  air  a  cheann  bha  coslas  ministeir  air. 
Bha  e  'n  a  dhuine  glic,  seaghail  ;  tromadach  'n 
a  ghiulan  agus  'n  a  theagasg  ;  ach  bha  stad  no 
glug  air  chor-eigin  'n  a  ghuth  a  bha  riamh  'n  a 
aghaidh  mar  shearmonaiche.  Bha  meas  aig  a 
bliraithrean  an  Cleir  He  air  a  chomhairle. 

An  t-Urramach  Coinneach  Ros,  nach  mair- 
eann 

Tha  mi  an  diiil  gur  ann  o  stoc  na  h-Eaglais 
Shaoir  Chleireachail  a  thainig  Coinneach  Ros, 
ach  chuir  e  seachad  a  chuid  bu  mhotha  d'a 
laithean  ann  an  Eaglais  na  h-Alba,  a'  saoth- 
rachadh  anns  an  eilean  Sgitheanach ;  an  toiseach 
am  Bracadal,  agus  an  sin  an  Sleibhte,  far  an 
robh  e  air  a  shuidheachadh  an  1915.  Bho 
chionn  beagan  bhliadhnachan  leig  e  dheth  a 
dhreuchd  ann  an  droch  shlainte,  is  chaidh  e  a 
dh'  fhuireach  do  Ghearr  Loch,  tir  a  dhiithchais, 
far  an  do  shiubhail  e. 

Bha  e  greis  'na  chleireach  aig  Cleir  an  eilein 
Sgitheanaich,  is  bha  e  air  a  radh  gu  robh  e  suas 
ri  ghnothuch  gu  maith.  Anns  na  laithean  sin 
chronaich  e  mise  ann  an  litir,  an  ainm  na 
Cleire,  a  chionn  gu  robh  mi  a'  cur  teagaisg 
anns  na  duilleagan  Gaidhlig  nach  robh  fallan, 
ach  an  uair  a  fhreagair  mi  gu'm  bithinn  ana- 
barrach  toilichte  a  bheachdan  fein,  no  beachdan 
a  bhraithrean  anns  a'  Chleir,  a  thoirt  am  follais, 
na'n  sgriobhadh  iad  am  beachdan  gu  reidh 
soilleir  air  a'  cheart  chuspair,  cha  chuala  mi  an 
corr  mu'n  chiiis.  Eadhon  'na  chronachadh  bha 
Coinneach  Ros  'na  dhuine  laghach  ciiiin,  gun 
gho  agus  gun  bhoilich. 

O  chionn  bhliadhnachan  chaidh  mi  'g  a 
chuideachadh  aig  am  comanachaidh  an  Sleibhte, 
is  tha  cuimhne  agam  fhathast  air  a  choiread, 
agus  air  coibhneas  a  mhnatha,  'n  an  tigh  fein, 
agus  air  na  comharraidhean  a  bha  ri  fhaicinn 
gu  robh  a  chridhe  agus  inntinn  anns  an  obair  a 
bha  e  a'  deanamh,  obair  an  Tighearna.  Duine 
ciuin,  agus  duine  samhach,  ghc,  a  ghluais  gu 
h-iriosal  agus  gu  diadhaidh  am  fianuis  a  choimh- 
earsnach,  b'e  sin  Coinneach  Ros. 

Ministear  og  Phort-righ 

Tha  aon  ghineal  a'  dol  as  an  t-sealladh  is 
gineal  eile  ag  eirigh  suas  ;  a'  chlann  a'  leantuinn 
nan  aithrichean.  Bu  bhochd  an  gnothuch  mur 
biodh  iomradh  air  ministearan  air  an  duilleig 
so  ach  a  mhMn  naidheachd  am  bais,  agus  is 
gasda  a  bhi  cluinntinn  gu  bheil  ministearan 
oga  a'  cur  orra  an  araiachd. 

Tha  ministear  bg  air  a  shuidheachadh  os 
cionn  coimhthional  Phort-righ,  aig  a  bheil  cliii 


maith  mar  sgoilear,  Murchadh  Mac  Dhomh- 
nuill,  B.D.  ;  Hearach  nach  ruig  a  leas  naire  a 
ghabhail  gu  brath  as  a  dha  sheanair  no  as  a 
dha  sheanmhair.  Ged  nach  dean  sgoil  minis- 
tear,  chan  fheairrd  ach  gur  misd  ministear  a 
bhi  as  a  h-eugmhais,  Theid  aig  sgoilear  maith 
daonnan  air  nithe  nuadh  agus  scan  a  thoirt  a 
mach  as  a  thigh-tasgaidh,  is  cha  trie  a  sgithich- 
eas  e  a  choimhthional.  Bha  Murchadh  Domh- 
nullach  air  oileanachadh  's  an  Tairbeart,  an 
Cinn-ghiiithsaich,  agus  an  Oilthigh  Chill- 
rimhinn,  is  fad  an  t-siubhail,  anns  an  sgoil  agus 
anns  a'  Chollaist,  bha  e  am  measg  na  feadhnach 
a  bh'  fhearr. 

Tha  ministearan  oga  aig  a  bheil  Gaidhlig  cho 
gann  's  nach  luaithe  a  gheibh  iad  cead- 
searmonachaidh  na  gheibh  iad  gairm  o  choimh- 
thional, is  tha  uallach  agus  cuing  air  a  chur  orra 
trath  'n  am  beatha  nach  leig  leo  fas  ann  an 
eolas  mar  bu  mhaith  leo.  Ach  ged  tha  so  dona 
do'n  mhoi'-chuideachd  de  na  h-oileanaich  oga, 
tha  aon  an  sid  agus  an  so  air  nach  'eil  e  a' 
deanamh  cron  air  bith,  agus  a  tha  a  cheart  cho 
ullaichte  anns  gach  doigh  air  son  obair  na 
niinistrealachd  an  la  a  dh'fhagas  iad  an  Collaist 
's  ged  bhiodh  iad  bliadhnachan  fo  mhinistear 
anns  a'  bhaile-mhor  ag  ionnsachadh  an  dreuchd, 
no  eadhon  samhradh  no  dha  comhla  ri  Seoras 
MacLeoid  ann  an  I  Chaluim-cille.  Duine  aig  a 
bheil  tiir  nadurra,  agus  tomhas  reusonta  de'n 
eolas  a  bheir  sgoilearachd  dha,  agus  iarrtus  'n  a 
chridhe  air  a  bhi  a'  fas  ann  an  eolas  an  Tigh- 
earna— cha  teid  an  duine  sin  fad  air  seachran 
'n  a  obair,  co  dhiu  a  tha  e  sean  no  bg.  Anns 
a'  ghineal  a  chaidh  seachad  cha  robh  ministear 
eile  anns  a'  Ghaidhealtachd  a  b'  fhearr  na 
Eachunn  Mac  Fhionghuin,  no  air  a'  Ghalldachd 
a  b'  fhearr  na  Wallace  Williamson,  ach  bha  an 
dithis  sin  air  an  suidheachadh  os  cionn  coimh- 
thionail  cho  luath  's  a  dh'  fhag  iad  an  Collaist. 

Cha  b'  urrainn  dhomh  guidhe  a  b'  fhearr  a 
dheanamh  air  son  ministear  Phort-righ  na 
gu'n  leanadh  e  an  ceuman  na  dithis  ud. 

Ministearan  oga  eile 

Bho  thoiseach  na  bliadhna  bha  coignear 
nahinistearan  eile  air  an  suidheachadh  ann  an 
sgirean  Gaidhealach  ; 

Tormod  DomhnuUach,  an  Ullapul 
Uilleam  Caimbeul,  an  Ros-cuimhnidh 
Iain  DomhnuUach,  am  Bail-a'  Chaolais 
Iain  A.  DomhnuUach,  an  Cill-Mheanaidh 
Aonghus  MacLeoid,  an  Raoghard 

Tha  mi  duilich  nach  urrainn  dhomh  dad 
innseadh  umpa  so,  a  chionn  nach  aithne  dhomh 
iad  gu  pearsonta,  no  c'aite  an  robh  iad  air  an 
oileanachadh,  air  chor  agus  gu'm  feum  mi  an 
cur  air  an  aon  ghad,  an  gad  air  an  do  chuir 
Pol    a   chompanaich   fein    anns    an   t-soisgeul, 


6 


AIG  AN  UINNEIG 


"  a   chuid  eile  de  m   chomh-oihrichihh,  aig  a  hheil 
an  ainmean  ami  an  leahhar  na  heatha, 

Tha  na  seachd  eaglaisean  so  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  gun  mhinistear  an  drasd  ;  Nis,  an 
Leodhus  ;  Tairbeart  Loch  Finn  ;  Mealainis,  an 
Cataibh  ;  Eige  agus  na  h-eileanan  ;  Am 
Blaran  Odhar,  an  Cataibh  ;  agus  Cill-Chreanain. 
Theagamh  gu  bheil  feadhainn  eile  ann 
cuideachd  ged  nach  aithne  dhonihsa  iad.  Tha 
eaglais  no  dha  falamh  ann  am  Peairt  anns  nach 
'eil  feum  air  Gaidhlig.  Tha  Gaidhlig  Pheairt  a' 
dol  a  bith. 

Daoine  caomhail  agus  coibhneil 

An  uair  a  chuimhnicheas  tu  air  uamhasan  a' 
chogaidh  anns  am  faod  lamh  a  bhi  againn 
shaoileadh  tu  nach  'eil  anns  an  t-saoghal  ach 
daoine  borb  gun  iochd.  Ach  is  e  an  fhirinn 
nach  robh  uiread  de  dhaoine  iochdmhor  anns 
an  t-saoghal  riamh  's  a  tha  ann  an  diugh,  gu 
sonraichte  anns  an  diithaich  againn  fein.  Gun 
teagamh  tha  airgiod  agus  cothrom  againn  nach 
'eil  aig  rioghachdan  eile  ach  a  mhain  America, 
ach  tha  an  fheadhainn  aig  a  bheil  an  t-airgiod 
sin  fialaidh  leis,  agus  cha  leasg  leo  cobhair  a 
dheanamh  air  daoine  eile  'n  an  eiginn.  Na'n 
robh  cunntas  air  a  chumail  air  na  thug  muinntir 
Bhreatuinn  seachad  o  chionn  choig  bliadhna  a 
chuideachadh  dhaoine  ann  an  rioghachdan  eile 
a  bha  'n  an  eiginn,  chuireadh  e  ionghnadh  ort. 
So  aon  de  na  dearbhaidhean  as  cinntiche  gu 
bheil  cumhachd  an  t-soisgeil  agus  cumhachd  na 
diadhaidheachd  beo  anns  an  tir  fhathast. 
"  A  mheud  agus  gu'n  do  rinn  sibh  e  do  na 
truaghain,  rinn  sibh  dhomhsa  e. 

Fhuair  ludhaich  agus  cinnich,  muinntir  na 
Spainnte,  muinntir  Czecho-Slovakia,  muinntir 
China,  agus  iomadh  seorsa  eile  cuideachadh  o 
Chriosduidhean  Bhreatuinn ;  biadh,  is  aodach, 
is  aoigheachd,  agus  cungaidhean  a  leighseadh 
an  creuchdan.  Gun  dol  na's  fhaide  na  China 
fein,  chuir  daoine  iochdmhor  ann  am  Breatunn 
corr  agus  da  cheud  mile  punnd  Sasunnach 
cruinn,  a  cheannach  bidh  do  thruaghain  ann  an 
China.  Fad  na  h-iiine  a  bha  an  cogadh  a'  dol 
air  aghaidh  anns  an  Spainnt  bhatar  a'  cur  bidh  a 
mach,  is  bha  dotairean  agus  banaltruman  a' 
frithealadh  do  dhaoine  leonta  air  an  cosdus 
fein,  agus  air  ghaol  trocair  a  nochdadh  dhaibh 
'n  an  uireasbhuidh. 

Am  balach  ludhach 

O  na  tha  mi  a'  bruidhinn  uime  so  co  dhiu 
innsidh  mi  naidheachd,  naidheachd  a  tha  fior. 
Ghabh  boirionnach  coir  ri  fogarrach  as  a' 
Ghearmailt,  balach  ludhach  mu  aois  choig 
bliadhna  deug,  d'  am  b'  fheudar  teicheadh  as  a' 
Ghearmailt,  gun  airgiod,  gun  dachaidh.  Ach 
ged  a  rinneadh  geur-leanmhuinn  air  ann  an  tir 
a  dhiithchais,  agus  ged  a  fhuair  e  fasgadh  ann 
am  Breatunn,  bha  a  chridhe  uile  gu  leir  leis  a' 


Ghearmailt  agus  gun  dad  idir  d'a  cliridhe  le 
Breatunn,  is  dh'  f hasadh  e  crosda  le  feirg  is 
farran  na'n  abradh  duine  dad  an  aghaidh  na 
Gearmailt  no  an  aghaidh  Hitler.  Bha  am 
boirionnach  eudmhor  air  taobh  Bhreatuinn,  is 
bhiodh  e  a'  cur  farrain  oirre-se  a  bhi  a'  cluinntinn 
a'  bhalaich  a  bha  i  a'  beathachadh  a'  faotainn 
coire  do  Bhreatunn  agus  a'  moladh  na  Gear- 
mailt. "  Na'm  b'  ann  agamsa  a  bha  e,"  arsa 
bana-choimhearsnach  rithe,  "  chuirinn  a  mach 
air  an  dorus  e,  is  leiginn  dhachaidh  e  gu  a 
dhaoine  fein."  "  Ciamar  a  ni  mi  sin,"  ai'S  am 
boirionnach  caomhail,  cha  leig  iad  a  steach  e, 
agus  c'aite  air  an  t-saoghal  an  rachadh  e  ? 

A  bheil  so  fior? 

Ma's  breug  bhuam  e  bu  bhreug  chugam  e  ; 
chuala  mi  mu  theaghlach  anns  an  robh  gillean 
agus  nigheanan  oga  a  ghabh  tigh  air  an 
diithaich,  a  dh'  fhuireach  ann  aig  deireadh  na 
seachduin.  Air  oidhche  Shathurna  bhiodh  iad 
fein  agus  companaich  oga  a  bhiodh  a'  tighinn  a 
mach  as  a'  bhaile  comhla  riu  ag  itheadh  agus 
ag  ol  agus  a'  dannsadh  gu  uairean  's  a'  mhaduinn, 
agus  chaidleadh  iad  air  an  t-Sabaid  gu  da  uair 
's  an  fheasgar. 

Bha  an  eaglais  air  ctilaibh  an  tighe,  is  bhiodh 
clag  na  h-eaglaise  air  a  bhualadh  fad  ceathramh 
na  h-uarach,  an  uair  a  bhiodh  an  eaglais  a  dol 
a  stigh  aig  aon  uair  deug.  Bha  so  a'  dusgadh 
na  h-6igridh  a  bha  'n  an  cadal,  is  chuir  iad  fios 
a  dh'  ionnsuidh  a'  mhinisteir,  a  dh'  iarraidh  air 
a  bhi  cho  maith  agus  gun  an  clag  uisneachadh 
air  maduinn  na  Sabaid,  a  chionn  gu  robh  e  'g 
an  cumail  o  chadal. 

Sin  a'  cheud  chuid  de'n  naidheachd  ;  so  a' 
chrioch  aice.  An  uair  a  chualas  anns  an  aite 
ciod  a  thubhairt  na  daoine  oga  ud  ris  a' 
mhinistear  bha  an  sluagh  uile  'n  an  aghaidh, 
agus  fearg  orra  gu'n  iarradh  iad  rud  cho 
miomhail  air  a'  mhinistear,  ach  b'e  na  daoine  a 
b'  fhaide  'n  an  aghaidh  uile  gu  leir  air  son  gu'n 
d'iarr  iad  nach  biodh  an  clag  air  a  bhualadh, 
an  fheadhainn  nach  hiodh  a'  freagairt  gairm  a' 
chluig,  no  «'  dol  do'?i  eaglais  idir.  Saoghal 
neonach  ! 

Cruinneachadh  lonar-pheofharan 

Am  bliadhna  mar  is  abhaist  bithidh  coinn- 
eamhan  mora  ann  an  lonar-pheofharan,  o 
September  22  gu  September  25  do'n  oigridh, 
agus  o  September  25  gu  September  29  do 
dhaoine  a  thainig  gu  aois,  a  bhios  fosgailte 
do'n  h-uile  duine  aig  a  bheil  iiidh  ann  an  nithean 
spioradail,  ann  an  teagasg  a'  Bhiobuill,  agus 
ann  an  iirnuigh.  Is  e  so  cuid  de  na  bhios  a' 
labhairt  ; 

I.  M.  Waite 

An  t-Urr.  I.  M.  B.  Duncan,  B.D. 

An  t-Urr.  F.  t.  Gibson,  M.A. 

An  t-Urr.  Cailean  C.  Kerr,  M.A. 


AIG  AN  UINNEIG— COR  NA  GAIDHEALTACHD 


Tha  duilleag  air  a  cur  a  mach  leis  an  Urra- 
mach  H.  W.  Oldham,  am  Baile-dhubhthaich,  a 
tha  air  cheann  a'  ghnothuich  so,  anns  a  bheil  e 
ag  innseadh  ciamar  a  gheibhear  aoigheachd  no 
aite-leapa,  agus  ciod  a  chosdas  e  fuireach  an 
lonar-pheofharan  tri  no  ceithir  a  dh'  oidhchean. 
Ma  bu  mhaith  le  duine  air  bith  an  tuilleadh 
fiosrachaidh  fhaotainn  chan  'eil  aige  ach 
sgriobhadh  gu  Mghr  Oldham. 


Cor  na  Gkidhealtachd 

Leis  an  Uhr  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  an  Govan 


rpHEIR  feadhainn  nach  'eil  txidh  aig  an  Eaglais 
JL  mar  is  coir  dhith  ann  an  cor  aimsireil  dhaoine. 
Their  cuid  eile  gu'm  bheil  i  a'  cm*  a  gutha 
agus  a  laimhe  tuilleadh  's  a'  choir  ann  an 
cuisean  aimsireil.  Tha  iad  le  cheile  ceart,  agus 
tha  iad  le  cheile  cearr.  Chan  'eil  e  glic  no 
iomchuidh  gu'm  bitheadh  pearsachan-eaglais  a' 
gabhail  orra  fhein  riaghaltan  a  shocruchadh  a 
thaobh  ghnothuichean  riaghaltais.  Ach  air 
an  laimh  eile,  cha  bhitheadh  an  Eaglais  dileas 
d'a  Maighistir  n'am  fanadh  i  'n  a  tosd  fa 
chomhair  eigin  no  cruaidh-chas  sam  bith  a 
dh'fhaodas  a  bhi  'n  a  eire  thruim  air  an  t-sluagh. 
'S  e  so  m'fhiosrachadh  fhein  air  a'  chuis,  agus 
mi  daonnan  a'  tachairt  air  daoine  's  a'  bhaile 
mhor  a  tha  'n  an  coigrich  do'n  Eaglais.  Is  e 
gle  bheag  a  tha  cur  an  ciil  rithe  a  chionn  's 
gu'm  bheil  i  ro  shaoghalta,  ach  is  lionmhor 
iad-san  a  chaill  speis  dhith  a  chionn  's  gu'm 
bheil  i,  a  reir  am  barail-san,  car  coma  mu  chor 
aimsireil  an  t-sluaigh  chumanta. 

Dleasdanas  na  h-eaglais 

Is  iomadh  lethsgeul  a  bhitheas  aig  daoine 
chum  iad  fhein  fhireanachadh  'n  an  dearmad 
air  an  dleasdanas  do  Dhia  agus  do  Eaglais 
Chriosd,  ach  tha  e  soirbh  moran  d'an  cuid 
lethsgeulan  a  thilgeil  bun-os-cionn,  oir  tha  iad 
air  an  togail  air  aineolas  agus  eadhon  air 
miann  mhi-dhiadhaidh  a'  chridhe  nadurra. 

Ach  aig  a'  cheart  am,  chan'eil  e  doirbh 
fhaicinn  gu'm  bheil  moran  an  da-rireadh  fo 
amharus  gu'm  bheil  an  Eaglais  coma  co  dhiu 
tha  no  nach  'eil  obair  is  cosnadh,  biadh  is  aodach 
is  comhfhurtachd  chorporra  aig  daoine.  Cha 
choir  do'n  Eaglais  a  bhi  coma  mu  na  nithean 
sin ;  chan  'eil  i  coma,  ach  dh'fhaodadh  luchd- 
eaglais  barrachd  a  dheanamh  na  tha  iad  a' 
deanamhchum  's  gu'm  bitheadh uallach  na  boch- 
dainn  agus  eiginnean  eile  air  an  cur  am  feabhas. 

A  thaobh  cor  na  Gaidhealtachd  gu  sonruichte 
chan  urrainn  an  Eaglais  a  bhi  coma.  Is 
iomadh  ministear  agus  missionaraidh,  agus  e  a' 
searmonachadh  ann  an  eaglais  fhalamh  no  leth- 
fhalamh  anns  na  glinn  agus  na  h-eileanan  mu 
thuath,    a    bhitheas    trie    ag    radh    ris    fhein, 


"  Ciamar  idir  a  bhitheas  cuisean  ann  an  leth- 
cheud  no  eadhon  ann  am  fichead  bliadhna  ?  " 
Tha  na  h-eaglaisean  Gaidhealach  lom  de 
choimhthional,  chan  ann  a  chioim  's  gu'm 
bheil  an  sluagh  air  sgur  a  dhol  do'n  eaglais,  ach 
a  chionn  's  gu'm  bheil  aireamh  an  t-sluaigh  ann 
am  moran  aitean  air  fks  cho  beag. 

An  t-eilean  Sgitheanach 

Bithidh  mi  trie  a'  smuaineachadh  air  a'  bhaile 
bheag  's  an  Eilean  Sgitheanach  anns  an  do 
thogadh  mi  fhein.  Cho  fad  's  is  fiosrach  mise, 
bha  corr  is  ceud  neach  a  chomhnuidh  's  a'  bhaile 
sin  leth-cheud  bKadhna  air  ais  ;  chan  'eil  an  sin 
an  diugh  ach  mu  fhichead.  An  uair  a  chaidh 
mi  fhein  do'n  sgoil  an  toiseach  ann  an  1914  bha 
mu  fhichead  's  an  sgoil ;  chan  'eil  sgoil  idir 
ann  an  diugh  no  leanabh  a  theid  innte. 

Tha  aireamh  an  t-sluaigh  'n  a  dheagh  chomh- 
arradh  air  co  dhiu  tha  no  nach  'eil  duthaich  a' 
soirbheachadh.  Ged  nach  bitheadh  ann  ach 
gu'm  bheil  suas  ri  ceud  mile  pearsa  na's  lugha 
's  a'  Ghaidhealtachd  a  nis  na  bha  innte  ceud 
bliadhna  an  ama  so,  but  leoir  an  dearbhadh  sin 
nach  'eil  ciiisean  mar  is  coir.  Chan  ann  gun 
aobhar  a  bhitheas  an  sluagh  a'  dol  as.  Anns 
na  tri  fichead  bliadhna  agus  a  deich  suas  gus  a' 
bhliadhna  1931,  rugadh  mu  cheud  gu  leth  mile 
a  chorr  na  bhasaich.  Shaoileamaid  mar  sin 
gu'm  bitheadh  ceud  gu  leth  mile  pearsa  a 
bharrachd  's  a'  Ghaidhealtachd  aig  deireadh  na 
h-tiine  sin  na  bha  innte  aig  toiseach  na  h-uine. 
Ach  is  ann  calg-dhireach  an  aghaidh  sin  a  tha 
a'  chilis.  'S  ann  a  bha  sluagh  na  Gaidhealtachd 
corr  is  ceithir  fichead  mile  na's  tearca  aig 
deireadh  na  h-uine  a  dh'ainmich  mi.  Thachair 
so  a  chionn  's  gu'n  deachaidh  barrachd  is  tri 
cheud  mile  air  imrich  as  an  duthaich  anns  na 
tri  fichead  bliadhna  agus  a  deich,  agus  cha 
tainig  a  steach  ach  mu  thri  fichead  mile.  Sin  ri 
radh,  ged  a  bha  cinntinn  nadurra  ann  fad  na 
h-iiine,  le  barrachd  'g  am  breith  na  bha  a' 
basachadh,  bha  mu  thri  mile  a'  f^gail  na  duthcha 
gach  bliadhna  agus  gun  neach  a'  lionadh  an 
aite.  Agus  bha  so  a'  tachairt  bliadhna  as  deidh 
bliadhna  suas  gu  1931. 


8 


COR  NA  GAIDHEALTACHD 


A'  dol  na's  lugha 

Bho'n  tha  sin  mar  sin,  shaoileamaid  n'am 
faighte  doigh  air  na  tri  mile  sin  gach  bliadhna 
a  chumail  aig  an  tigh  le  cothrom  oibreach  a 
thoirt  dhaibh,  nach  b'eagal  do'n  Ghaidheal- 
tachd.  Ach  tha  ni  eile  ri  thoirt  fainear.  Anns 
na  h-ochd  bliadhna  bho  1931,  is  e  gle  bheag  a 
chaidh  air  imrich  as  a'  Ghaidhealtachd  thar  na 
thainig  a  steach  innte,  ach  a  dh'aindeoin  sin 
tha  an  sluagh  a'  dol  na's  lugha  gach  bUadhna, 
agus  sin  a  chionn  's  gu'm  bheil  aireamh  na  tha 
air  am  breith  a  nis  moran  na's  lugha  na 
aireamh  na  tha  a'  basachadh.  Tha  a'  Ghaidh- 
ealtachd gann  de  chloinn  is  de  dh'oigridh,  agus 
tha  a'  mhor-chuid  de  'n  t-sluagh  suas  ann  am 
bliadhnaichean,  agus  gun  gu  leoir  de  f  headhainn 
oga  a'  fas  suas  gu  bhi  a'  lionadh  an  aite.  Air 
son  an  aobhair  sin,  ged  nach  fhalbhadh  duine 
tuilleadh  air  imrich  as  a'  Ghaidhealtachd, 
bithidh  sluagh  na  Gaidhealtachd  a'  sior-dhol  na's 
lugha. 

Fasachadh  na  duthcha 

Saoilidh  tu  air  feadhainn  a  bhitheas  ag 
eigheach  mu  dhol-as  nan  Gaidheal,  gu'm  bheil 
an  so  suidheachadh  nach  fhaighear  ach  anns  a' 
Ghaidhealtachd  a  mhain.  Ach  chan  ann  mar 
sin  a  tha.  Tha  fasachadh  na  duthcha  a'  dol 
air  adhart  air  feadh  na  rioghachd  gu  leir.  Tha 
a  dha  uidhir  sluaigh  a'  fuireach  ann  an  Lun- 
nainn  na  tha  ann  an  Albainn  gu  h-iomlan. 
Tha  an  ceathramh  cuid  de  shluagh  na  h-Albann 
air  am  faotainn  an  Glaschu,  da  cheathramh 
anns  na  bailtean  eile,  agus  gun  ach  ceathramh 
anns  na  aitean  diithchail.  Chan  'eil  ach  a 
h-ochd  as  gach  ceud  a'  fuireach  's  a'  Ghaidh- 
ealtachd, ged  a  tha  a'  Ghaidhealtachd  a' 
deanamh  suas  dara  leth  fearann  Albann. 
Gheibhear  suidheachadh  mar  so  an  America 
agus  an  diithchannan  eile  a  cheart  cho  math 
ris  an  rioghachd  againn,  's  cha  mhath  an 
comharradh  e,  agus  gu  dearbh  is  mor  an 
lagachadh  a  tha  ann  do  rioghachd  sam  bith 
gu'm  bitheadh  an  sluagh  a'  dumhlachadh  anns 
na  bailtean  mora  agus  a'  fagail  an  fhearainn 
gun  daoine  a  chomhnuidh  air. 

Ged  a  tha  fasachadh  na  diithcha  a'  dol  air 
adhart  air  feadh  na  rioghachd,  chan  'eil  an 
suidheachadh  cho  dona  f  hathast  an  cearn  sam 
bith  's  a  tha  e  's  a'  Ghaidhealtachd.  Agus 
ciod  iad  na  h-aobharan  gu'm  bheil  daoine  a' 
cur  an  aghaidh  air  a'  bhaile  mhor  agus  an  cul 
ris  na  glinn  ?  Da  aobhar  gu  sonruichte, 
gheibhear  's  a'  bhaile  goireasan  nach  fhaighear 
air  an  diithaich,  agus  gheibhear  's  a'  bhaile 
cothrom-cosnaidh  nach  fhaighear  air  an  diith- 
aich. Faodar  aobharan  eile  ainmeachadh,  ach  is 
iad  an  da  aobhar  sin  a  tha  aig  bun  a'  ghnothuich. 

Rathaidean  ura 
The  barrachd  ghoireasan  agus  chomhfhurtan 
's  a'   Ghaidhealtachd  an  diugh  na  bha  innte 


riamh  roimhe.  Tha  rathadan  iira  agus  tighean 
lira  comhfhurtail  aig  an  t-sluagh  ann  an 
iomadh  aite.  Chan  'eil  aite  sam  bith  mu  thuath 
no  anns  na  h-eileanan  cho  iomallach  's  a  bha  e 
anns  an  aimsir  a  chaidh  seachad.  Tha  barrachd 
ctiraim  air  a  ghabhail  de  dh'oileanachadh  na 
cloinne,  de  leas  na  h-aoise  agus  de  shlainte  an 
t-sluaigh.  Chaidh  adhartas  mor  a  dheanamh 
anns  na  doighean  sin,  agus  an  doighean  eile, 
ach  a  dh'aindeoin  sin  tha  an  sluagh  a'  crionadh 
as,  agus  cumaidh  iad  orra  a'  crionadh  as  gus  an 
tachair  da  rud.  Antoiseach,  gu'm  bitheadh  e  air 
a  dheanamh  a  cheart  cho  buannachdail  agus 
cho  comhfhurtail  do  dhaoine  a  bhi  fuireach  's 
a'  Ghaidhealtachd  's  ged  a  bhitheadh  iad  air  a' 
Ghalldachd.  A  rithis,  gu'n  ionnsaicheadh 
daoine  an  da  chuid  mu  thuath  agus  mu  dheas 
nach  e  idir  an  t-aite  no  an  suidheachadh  anns 
am  bheil  iad  a  dh'fhagas  sona  agus  riaraichte 
iad,  ach  an  inntinn  agus  an  spiorad  a  gheibhear 
annta  fein  c'aite  air  bith  a  bheil  iad  no  ciod  air 
bith  an  suidheachadh. 

A  bheatha  shimplidh 

Feudar  oidhirp  a  dheanamh  a  chum  a'  cheud 
ni  dhiubh  sin  a  thoirt  gu  buil  le  reachdan 
Parlamaid  agus  le  saothair  air  sgath  leas 
saoghalta  dhaoine,  ach  cha  toirear  an  dara  ni 
gu  buil  gus  am  faigh  gach  neach  a  mach  air  a 
shon  fhein  beannachdan  na  beatha  simplidh, 
agus  nach  ann  ann  am  mor-phailteas  nan  nithean 
a  tha  e  a'  sealbhachadh  a  tha  beatha  an  duine  a' 
comh-sheasamh. 

"  Tha  cuid  an  toir  air  stor  is  maoin, 
'G  an  ruith  bho'm  breith  gu'm  bas ; 
Chan  fhaigh  iad  fois  's  cha  bhi  iad  saor, 
Ma  chi  iad  sin  aig  each  ; 
Thoir  dhomh-sa  sith  is  gradh  is  gaol, 
Aig  taobh  nan  sruthan  tlath. 
Mo  bhothan  beag  fo  sgail  nan  craobh, 
'S  mo  lios  ri  taobh  na  tragliad." 

Leis  na  thubhairt  mi,  chan  'eil  ini  a'  ciallachadh 
gu'm  bu  choir  do  neach  a  bhi  riaraichte  leis  a' 
bhochdainn,  ma  tha.  e  am  bochdainn.  Tha  mise 
a'  lan-chreidsinn  gu'n  do  chruthaich  Dia  an 
talamh  agus  na  bheil  ann  a  chum  's  gu'm  bith-  i 
eadh  cuibhrionn  iomchuidh  aig  gach  creutair, 
agus  n'an  robh  cuibhrionn  iomchuidh  aig  gach 
neach  cha  bhitheadh  bochdainn  ann  mar  a  tha 
ann  an  diugh,  ach  a  mhain  a'  bhochdainn  sin  a 
bheir  daoine  gorach  orra  fhein  le  beatha 
struidheasaich.  Ach  anns  an  rioghachd  againne 
an  diugh  tha  tri  muillion  deug  neach  (an 
ceathramh  cuid  de'n  t-sluagh  gu  h-iomlan)  nach 
urrainn  na  dh'fheumas  iad  de  bhiadh  fhaighinn, 
oir  chan  'eil  aca  ach  mu  shia  tasdain  's  an 
t-seachduin  an  ceann  gus  biadh  a  cheannach. 
Cha  chreid  mise  e  o  dhuine  sam  bith  gu'm  bheil 
an  suidheachadh  sin  a  reir  inntinn  Dhe. 

{Ri  leantuinn) 


Aireamh  9 


1939 


R.  M.  Mac  Cheyne  as  ir 

"  Mar  chtr-mheala  tha  briathran  taltneach,  milis  do'ti  anam.'' — Gnath-Fhocail  xvi,  24. 


BHO  chionn  ghoirid  bha  searmoin  shois- 
geulach  an  duine  dhiadhaidh  so,  agus 
cunntas  air  a  bheatha  agus  air  a  shaothair,  air 
an  cur  a  mach  as  iir  le  Alasdair  Mac  Labhruinn 
agus  a  Mhic,  an  Glaschu,  biith  leabhraichean  a 
tha  daonnan  a'  cumail  bratach  na  Gaidhlig  ri 
barr  a'  chrainn. 

Bha  na  searmoin  air  an  tionndadh  o  Bheurla 
■  gu  Gaidhlig  le  Ailean  Mac-Na-Ceardadh,  a  bha 
'n  a  nihinistear  ann  an  Eaglais  Shaor  na  Ceann- 
mhor  (1846-1888)  ;  sgoilear  maith  Gaidhlig. 

Tha  aite  dha  fein  aig  Mac  Cheyne  am  measg 
mhinistearan  na  h-Alba  mar  dhuine  naomh 
agus  beannaichte.  A  thaobh  neart  cuirp  is 
inntinn  cha  ghabhadh  e  coimeas  ri  Teai'lach 
Spurgeon  no  ri  DomhnuUach  na  Toisigheachd, 
ach  bha  ni-eigin  'na  nadur  na  bu  chiiraidhe  na 
bha  anns  na  daoine  laidir  sin  ;  ni-eigin  nach 
buineadh  do  'n  t-saoghal  so.  Ged  bha  Spurgeon 
agus  DomhnuUach  na  Toisigheachd  'n  an  sois- 
geulaichean  comasach,  a  chrathadh  agus  a 
ghluaiseadh  cridheachan  dhaoine  mar  achrathas 
an  stoirm  duilleach  nan  craobh,  cha  robh  aileadh 
na  diadhaidheachd  no  maise  na  naomhachd  'g 
an  cuartachadh  mar  bha  iad  a'  cuartachadh 
Mhic  Cheyne. 

Chan  'eil  so  a'  ciallachadh  gu  bheil  teagasg 
no  searmoin  Mhic  Cheyne  na's  fhearr  na  an 
teagasg-san  ;  chan  'eil  idir  ;  gheibh  thu  biadh 
laidir  agus  gu  leoir  dheth  ann  an  searmoin 
Spurgeon  an  uair  nach  fhaigh  thu  ann  an  sear- 
moin Mhic  Cheyne  ach  greivi  milis. 

Milseachd  a  theagaisg,  ciiiine  agus  irioslachd 
a  naduir,  naomhachd  a  bheatha,  anfhannachd 
a  chuirp,  agus  cho  trath  's  a  shiubhail  e  ('n  a  naoi 
bliadhna  fichead), — b'e  sin  a  choisinn  dha  an 
t-oisean  blath  a  bha  agus  a  tha  aige  ann  an 
cridheachan  dhaoine  diadhaidh  ! 

Riaghailtean  maith 

Tha  tri  ceumanna  anns  am  biodh  e  buannachd- 
ail  do  mhinistearan  oga  an  la  so  Mac  Cheyne 
a  leantuinn  : 

(1)  Bhiodh  e  daonnan  a'  gabhail  ceann- 
teagaisg  as  a'  Bhiobull. 

(2)  Bhiodh  e  daonnan  a'  roinn  a  shearmoin 
fo  chinn. 

(3)  Bhiodh  e  daonnan  a'  comh-chur  a  theag- 


aisg, agus  a'  labhairt  gu  pearsanta  ris  an  t" 
sluagh. 

"  A  chairdean  ionmhuinn,"  ars  esan,  "  an  do 
thoisich  an  obair  so  annaibh-sa  ?  An  deachaidh 
bhur  n-iompachadh,  no  an  robh  sibh  air  bhur 
breith  a  ris,  agus  air  bhur  n-aonadh  ri  Criosd. 
Tha  cuid  ag  radh  nach  'eil  f  hios  aca.  Ach  na'n 
robh  thu  uaireigin  d'  ad  bheatha  an  cunnart 
bathaidh,  seadh  na'n  robh  thu  air  do  bhathadh 
agus  air  do  thoirt  air  t'  ais  a  ris  gu  beatha, 
bhiodh  cuimhne  agad  air  gu  uair  do  bhais,  agus 
cia  mo  gu  mor,  na'm  biodh  tu  air  do  thoirt  a 
dh'  ionnsuidh  Chriosd.  Na'm  biodh  tu  dall 
agus  gu'n  d'  fhuair  thu  do  shealladh  an  deidh 
dhuit  tighinn  gu  inbhe  duine  cha  bhiodh  e 
furasda  dhuit  sin  a  dhichuimhneachadh.  Mar 
sin,  ma  thainig  tu  a  dh'  ionnsuidh  Chriosd, 
bithidh  fhios  agad  air,  agus  cha  leig  thu  as  do 
bheachd  e. 

"  Tha  iompachadh  feallsach  ann.  Aig  amanna 
tha  Satan  fein  a'  cur  seorsa  ciiraim  air  daoine 
mu  chor  an  anama,  agus  cuiridh  e  iad  a  dh' 
ionnsuidh  mhinistearan,  a  dh'  ionnsuidh  leabh- 
raichean, a  dh'  ionnsuidh  choinneamhan,  a  dh' 
ionnsuidh  dhleasdanasan,  gu  bhi  foisneachadh 
annta.  Leigidh  e  leo  amharc  ri  ni  air  bith,  no 
foisneachadh  ann  an  ni  air  bith  ach  a  mhain  ann 
an  crann-ceusaidh  Chriosd.  B'  fhearr  le  Satan 
neach  a  dh'  amharc  taobh  air  bith  seach  ri 
Criosd." 

Chan  'eil  dad  iir  no  domhain  anns  an  teagasg 
so,  ach  an  uair  a  chluinneas  tu  ministear  a  tha 
gaolach  agus  diirachdach  a'  bruidhinn  riut  gu 
pearsonta  agus  gu  simplidh  mar  so,  cuiridh  e 
bior  'n  a  t'  inntinn  agus  'n  a  d'  choguis. 

Fein-eolas 

Anns  na  laithean  deireannach  so  tha  e  air  a 
theagasg  dhuinn  anns  an  sgoil,  anns  a'  Chollaist, 
agus  anns  an  eaglais,  nach  'eil  e  maith  do 
dhaoine  a  bhi  a'  sgriidadh  an  ci'idheachan  fein 
tuilleadh  's  a  choir  ;  tha  e  air  a  theagasg  dhuinn 
gur  fhearr  dhuinn  sealltuinn  a  mach  uainn  fein 
seach  a  bhi  a'  sealltuinn  a  steach  annainn  fein, 
'gar  ceasnachadh  fein  agus  a'  rannsachadh  ar 
cridhe  le  coinnil.  Cha  rachadh  Mac  Cheyne 
leis  an  teagasg  sin  idir  ;  b'  fhearr  leis  am  fasan 
a  bha  aig  Tomas  Boston  agus  aig  naoimh  nan 
seann    laithean    a    leantuinn,    agus    mar    sin 


R.  M.  MAC  CHEYNE  AS  UR 


gheibhear   e   a'   sgriobhadh   so    'n   a  leabhar- 
diomhair. 

"Is  e  an  diugh  co-la  mo  bhreith  ;  iha  mi  nis 
tri  hliadhna  Jichead  a  dh'  aois.  Ged  yiach  'eil  mi 
ach  am  leanahh  ann  an  ealas  air  a  Bhiohull  agus 
air  Carraig  mo  shlainte,  deanavi  na's  urrainn 
leanabh  a  dheanamh  no  fhulang. 

"An  diugh  rannsaich  mi  mo  chridhe  le  trasgadh 
agus  iirnuigh,  a  dh'  fheuchainn, 

"  (1)  A  bheil  mi  da-r\readh  a'  dunadh  ri  tairgse 
na  slainte  tre  losa  Criosd,  no  a  bheil  mi  debnach  a 
bhi  air  mo  thearnadh  anns  an  dbigh  a  bheir  a'  ghlbir 
uile  dhasan,  agus  gun  dad  dhbmhsa.  0,  a  Thigh- 
earn,  rannsaich  mi,  oir  chan  urrainn  mi  ach  a 
radh, — tha,  tha. 

"  (2)  An  e  iarrtus  mo  chridhe  a  bhi  gu  h-iomlan 
naomh ;  a  bheil  peacadh  sam  bith  annam  a  dh' 
iarrainn  a  chumail  ?  Chan  'eil  facal  anns  a' 
Bhiobull  as  rmlse  leam  na  so,  '  Cha  bhi  tighearnas 
aig  a'  pheacadh  thairis  oii'bh.'  Uime  sin  laigheam 
losal  anns  an  duslach. 

Tha  mi  tinn  o  Dhi-mdirt.  Chuir  mi  iiine  air 
leth  as  ur,  chum  beachdachadh  air  mo  chion  toraidh, 
agus  gus  m'  uabhar  a  chur  bhuam.  C  uin  a 
sguireas  mi  de  bhi  a'  roghnachadh  dhomh  fein  ? 
Bithidh  mi  ag  radh,  ni  mi  mar  so,  no  ni  mi  mar 
sud,  ach  thubhairt  Dia,  laighidh  tu  air  do  leabaidh 
an  so,  agus  fuilingidh  tu  mar  cKi  mise  iomchuidh. 

"  Bha  tuilleadh  druidhidh  orm  an  diugh  na  dh' 
fhairich  mi  riamh  roimhe.  0  gun  robh  comas 
agamfantuinn  ann  an  Criosd,  a  nigh  eadhon  casan 
ludais,  a  thug  rabhadh  dha,  a  chum  gum  bi  mi  air 
mo  Vionadh  le  a  ghradh  agus  a  choibhneas  a  tha  cho 
iongantach." 

Bha  gaol  aige  air  anamanna  a  chosnadh  do 
Dhia,  agus  b'e  an  naidheachd  a  b'  fhearr  a 
chual  e  riamh  gu  robh  dusgadh  ann  an  Dun- 
deagh.  Bha  cridheachan  cruaidh  air  an  leagh- 
adh  mar  cheir,  agus  ge  b'e  aite  an  robh  an 
soisgeul  air  a  shearmonachadh  bha  na  ceudan 
ag  eigheach,  "  Ciod  a  ni  sinn  ?  " 

Is  ann  mu'n  am  so  a  hubhair  e  ann  an  Dun- 
deagh  searmon  a  bha  anabarrach  driiidhteach 
air  a  cheann-ieagaisg  a  Leabhar  nan  Gnath- 
fhacal  (viii.  4). 

"  Ribhse,  o  fheara,  tha  mi  ag  eigheach,  agus 
tha  mo  ghuth  ri  cloinn  nan  daoine,"  agus  sear- 
mon driiidhteach  eile  o  bhriathran  Phoil  anns  a' 
cheud  litir  chum  nan  Corintianach  (ix.  26-27). 
"  Uime  sin  is  amhuil  a  tha  mise  a'  ruith,  chan 
ann  mar  gu  neo-chinnteach  ;  is  amhuil  a  tha 
mi  a'  cur  catha,  chan  ann  mar  neach  a  bhuaileas 
an  t-adhar,  ach  tha  mi  a'  trom-bhualadh  mo 
chuirp,  agus  'ga  chur  fo  smachd,  air  eagal  air 
chor  sam  bith  an  deidh  dhomh  searmonachadh 
do  dhream  eile,  gu'n  cuirear  mi  fein  air 
chill." 

Theagamh  nach  bitheadh  uiread  buaidh  aig 
an  t-searraon  so  air  coimthional  an  diugh  's  a 


bha  aige  an  uair  a  liubhair  Mac  Cheyne  e  ann 
an  Collace,  oir  chan  'eil  daoine  a'  creidsinn  ann 
an  teine  ifrinn  an  diugh  mar  bha  iad  a'  creidsinn 
ann  anns  na  laithean  ud. 


An  dorchadas  iomallach 

"  Bithidh  sibhse,  a  dhaoine  neo-iompaichte, 
air  bhur  diinadh  a  naach  o  Dhia.  Cha  bhi 
aoradh  teaghlaich  an  ifreann,  no  BiobuU,  no 
seinn  Shalm,  no  Sabaid,  no  soisgeul,  no  luchd- 
faire  gu  caismeachd  a  thoirt  dhuibh  a  thaobh 
'ur  cunnairt.  Bithidh  am  fear-faire  'n  a  thosd, 
'ur  cunnart  air  teachd,  agus  'ur  binn  air  a  cur 
an  gniomh,  gun  aite  aithreachais  air  fhagail. 
An  sud  cha  bhi  dad  ach  amhghar  agus  eu- 
dochas  air  nach  urrainn  duine  no  aingeal  cainnt 
a  chur.  Brisidh  aingidheachd  a'  chridhe  a 
mach,  fuath  do  Dhia,  toibheum  d'a  ainm.  An 
sud  bheir  sibh  toibheum  do  Dhia  neimh,  agus 
an  truaillidheachd  a  bha  air  a  cumail  fodha  anns 
an  t-saoghal  so  le  freasdalaibh,  agus  eagal 
dhaoine,  an  sud  brisidh  i  a  mach  cosmhuil  ris 
na  diabhoil,  am  measg  am  bi  bhur  cuibhrionn 
agaibh.  Cuirear  air  ciil  le  Dia  sibh  ;  cuirear 
air  ciil  le  Criosd  sibh  ;  cuirear  air  cul  sibh  leis 
an  Spiorad  Naomh  ;  cuirear  air  ctil  sibh  leis 
gach  creutair  ;  cuirear  air  cul  le  ainglean  sibh, 
do  bhrigh  nach  'eil  e  freagarrach  gu'n  gabhadh 
iad  truas  dhibh.  '  Bithidh  iad  air  am  pianadh 
le  teine  agus  pronnusc  am  fianuis  nan  ainglean 
naomha  agus  arh  fianuis  an  Uain  '  (Taisb.  xiv. 
10).  Cha  bhi  sluagh  an  Tighearn  ag  iirnuigh, 
no  a'  sileadh  dheur  na's  mo  air  bhur  son  ;  chan 
abair  iad  smid  as  bhur  leth  air  dhuibh  a  bhi  air 
bhur  diteadh,  agus  air  bhur  n-iomain  gu  teine 
siorruidh.  Is  ann  a  their  iad  '  aleluaia  !  'nuair 
a  chi  iad  deatach  bhur  doruinn  a'  dol  suas 
gu  saoghail  nan  saoghal '  (Taisb.  xix.  3).  Cha 
bhi  ministearan  a'  stri  ribh  ;  is  ann  a  bheir  iad 
fianuis  'n  'ur  n-aghaidh.  Cuiridh  an  diabhol 
fein  air  ciil  sibh  ;  fuathaichidh  e  sibh  ;  pianaidh 
e  sibh,  oir  bithidh  sibhse  'g  a  phianadh-sa,  agus 
mar  sin  tuigidh  sibh  ciod  e  sin,  '  a  bhi  air  bhur 
beo-ghlacadh  leis  an  diabhol.'  Cuiridh  am  bas 
f hein  cul  jribh  ;  bu  mhiann  leibh  bas  f  haotainn, 
ach  teichidh  am  bas  air  falbh  uaibh  ann  an 
ifreann  ;  bu  mhiann  leibh  gu'm  biodh  'ur 
cuimhne  agus  'ur  coguis  air  an  spionadh  asaibh, 
agus  nach  robh  bith  riamh  agaibh,  ach  cha 
bhasaich  a'  chnuimh  a  bhios  'g  'ur  n-itheadh 
agus  'g  'ur  cradh  gu  siorruidh." 

Tha  deich  searmoinfhichead  anns  an  leabhar 
uile  gu  leir,  ach  thug  mi  an  aire  nach  'eil  ach 
ceithir  dhiubh  air  an  steidheachadh  air  briathran 
Chriosd,  no  air  teagasg  Chriosd.  Sin  am  miighadh 
as  motha  a  thainig  air  searmonachadh  ann  an 
Albainn  anns  a'  ghineal  so,  gu  bheil  ministearan 
an  diugh  a'  cumail  na's  dluithe  ri  briathran 
agus  ri  teagasg  Chriosd  an  aite  a  bhi  bruidhinn 
daonnan  mu  innleachd  na  slainte. 


ANNS  A'  CHATHAm 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  na  laithean  so  tha  e  'n  a  chleachdadh 
-aig  moran  mhinistearan  a  bhi  a'  toirt  da 
shearmon  do'n  choimhthional  air  maduinn  na 
Sabaid  ;  aon  searmon  ris  an  abradh  ar  n-aith- 
richean  searmon  (no  co  dhiu  rud-eigin  coltach 
ris)  agus  rud  neonach  eile  ris  an  abair  iad 
"  Facal  do'n  Chloinn."  Tha  "  Facal  do'n 
Chloinn  "  a  nis  air  fas  cho  fasanta  's  gur  e  aon 
de  na  talantan  a  tha  an  sluagh  ag  iarraidh  ami 
am  ministear  ealain  a  bhi  aige  air  labhairt  ris  a' 
chloinn.  Agus  tha  cuid  de  mhinistearan  cho 
cinnteach  gu  bheil  an  ealain  so  aca  fein  's  gu 
bheil  iad  a'  cur  a  mach  ann  an  leabhraichean  na 
searmoin  a  bhios  iad  a'  toirt  do'n  chloinn. 

Bu  mhaith  leam  fear  dhiubh  sin  a  thionndadh 
gu  Gaidhlig  agus  a  chur  sios  air  an  duilleig  so, 
los  gu'm  faiceadh  an  luchd-leughaidh  ciod  a  tha 
dol  air  aghaidh  anns  an  eaglais,  agus  ciod  an 
seorsa  bidh  a  tha  air  a  thairgsinn  do'n  chloinn 
le  ministearan  ainmeil. 

B'e  ceann-teagaisg  an  t-searmoin  so,  "  Seas- 
aibh  gu  daingean  aniis  an  t-saorsa  leis  an  d'  rinn 
Criosd  saor  sihh,"  agus  is  e  an  tiotal  a  tha  air 
a  chur  as  a  chionn  anns  an  leabhar, 

"  Thoir  breab  do'n  Chuaich  " 

"  Tha  dorlach  de  chloinn  a'  fuireach  comhla 
I'ium  an  drasd,  clann  mo  bhrathar,  balaich  agus 
caileagan  sunndach,  theid  mi  'm  bannaibh 
dhuibh.  Thainig  iad  a  nail  a  America  ;  fogh- 
naidh  sin. 

Tha  gaol  agam  orra  ;   ach  air  a  shon  sin — 

Aig  an  dearbh  mhionaid  so  tha  iad  fein  agus 
na  crochairean  agam  fein  a'  cluich  air  geam  ris 
an  abrar  "Thoir  breab  do'n  chuaich,"  mu 
choinneamh  na  h-uinneig  aig  a  bheil  mi  a' 
sgriobhadh.  Gu  firinneach  b'  fhearr  leam  nach 
cualas  riamh  iomradh  air  an  fhear  a  thoisich  air 
a'  chluich  so  an  toiseach.  Feumaidh  gu  robh 
car  air  chor-eigin  'na  eanchainn,  car  a  tha  mi 
an  dochas  nach  fag  gu  brath  e.  Tha  uiread 
fuaime  is  gleadhraich  is  sgiamhail  anns  a' 
chluich  so  's  a  bhiodh  ann  am  fichead  piob-mhor 
aig  do  chluais. 

An  aithne  dhuibh  an  geam  so  ?  Tha  mi  an 
dochas  gu  bheil  cuimhne  aig  na  parantan  air  ; 
tha  truas  agam  daonnan  ri  daoine  a  thainig  gu 
aois  ma  chaill  iad  cuimhne  air  na  seann  gheam- 
anna  a  bhiodh  iad  a'  cluich,  agus  air  aotramas 
an  oige. 

So  mar  tha  "  Thoir  breab  do'n  chuaich,"  air 
a  chluich,  agus  mur  bheil  e  air  a  chluich  anns 
an  doigh  so,  chan  'eil  e  ceart.  Tha  doigh  cheart 
agus  doigh  chearr  air  a  h-uile  geam  a  chluich  ; 
an  uair  a  bha  mise  'n  am  bhalach  bha  an  doigh 
cheart  againn  air,  doigh  a  tha  cho  sean  ri  garadh 
Edein. 


Feumaidh  tu  cuach  fhaotainn,  agus  ma 
ghabhas  e  idir  deanamh,  biodh  i  de  iarunn-geal, 
oir  mar  is  mo  an  tartar  agus  a'  ghleadhraich  an 
uair  a  bhreabar  a'  chuach,  is  ann  as  fhearr 
an  geam. 

An  toiseach  tha  aon  de'n  fheadhainn  a  tha  a' 
cluich  a'  gheama  air  a  "  chur  a  mach."  Tha 
doigh  cheart  agus  doigh  chearr  air  sin  cuid- 
eachd,  ach  is  e  an  doigh  cheart  an  rann  so 
aithris, 

Aograidh,  aograidh,  diicharaldh  thall  ; 

B\g,  big,  cniodaich  ceann  ; 

Ospagach,  rospagach,  eangach,  fuar, 

Ann,  dhuit,  thugad,  is  bJmait, — Tha-thu-mach. 

Gun  an  rann  so  cha  bhiodh  an  geam  idir  ceart. 

An  sin  tha  aon  air  a  thaghadh  agus  a'  chuach 
air  a  cur  'n  a  laimh,  agus  e  fein  air  a  chur  'n  a 
sheasamh  ann  an  teis-meadhoin  cearcaill  ris  an 
abrar,  an  Garaidh,  cearcall  a  bha  air  a  dheanamh 
ann  am  mionaid  le  slachdan-druidheachd. 
Duinidh  e  a  shiiilean,  is  cunntaidh  e  gu  reidh, 
aon-dha-tri-ceithir  gus  an  ruig  e  deich.  An 
uair  a  tha  esan  a'  cunntas  tha  each  a'  dol  am 
foluch— <Aa  mi  duilich  a  rddh  gu  bheil  na  crock- 
airean  a  tha  'g  a  chluich  an  diugh  air  beulaibh  na 
h-uinneig  agam-sa  a'  dol  amfoluch  am  measg  nam 
jluraichean  a  chuir  mi  cho  ciiramach,  ach  ciod  am 
feum  a  bhiodh  ann  dhomh  a  bhi  gearan  ? 
Theireadh  iad  nach  b'  fhearr  mi  na  bocan,  agus 
CO  dhiu,  an  uair  a  bha  mi  fein  'n  am  bhalach  I'inn 
mi  a  cheart  rud  a  tha  iadsan  a'  deanamh. 

An  sin  toisichidh  fear  na  cuaiche  air  siubhal  ; 
cho  luath  's  a  chi  e  aon  de  na  chaidh  am  foluch, 
ruithidh  e  a  dh'  ionnsuidh  na  cuaiche,  is  cunn- 
taidh e,  aoti,  dha,  tri.  Tha  a  nis  priosanach  aige. 
An  sin  seallaidh  e  a  mach  as  a  gharaidh  a  ris, 
a  dh'  fheuchainn  am  faigh  e  priosanach  eile. 

Ach  an  uair  a  dh'  fhagas  e  an  garaidh,  mur 
toir  e  an  fhior  aire,  gabhaidh  fear  de'n  fheadh- 
ainn a  tha  am  foluch  cothrom  air  a  chiil  a  bhi 
air  a  thionndadh  ris,  is  ruithidh  e,  is  bheir  e 
breab  do'n  chuaich,  is  tilgidh  e  i  cho  fad  air 
falbh  's  is  urrainn  dha. 

Leis  a'  bhreaip  sin  bheir  e  saorsa  do  na 
priosanaich,  is  ruithidh  iad  mar  na  coineanan,  is 
foluichidh  iad  iad  fein  anns  na  tuill. 

Geam  maith,  gun  teagamh,  ged  a  b'  fhearr 
leam  e  bhi  air  a  chluich  ann  an  aite-eigin  eile 
seach  ann  am  lios  fein  ! 

Tha  beatha  mhic  an  duine  coltach  ris  a' 
gheam  so. 

Uair  no  uaireigin  tha  sinn  uile  air  ar  glacadh 
leis  an  namhaid  mar  phriosanaich.  Beiridh  e 
oirnn  an  uair  nach  'eil  sinn  'n  ar  n-earalas,  is 
bheir  e  a  steach  d'a  gharaidh  sinn.  Anns  a' 
gharaidh  chan  'eil  fodhainn  ach  feitheamh  ri 
neach  laidir  air  chor-eigin  a  bheir  saorsa  dhuinn. 


ANNS  A'  CHATHAIR— CEISDEAN  IAIN 


Co  a  shaoras  sinn  ?  Co  a  thig  agus  a  bheir 
breab  do'ii  chuaich  ?  Tog  suas  do  shuilean, 
agus  amhairc  airsan  a  tha  'n  a  dheann-ruith  a 
thoirt  saorsa  dhuinn.  Thig,  thig  !  ruith,  ruith  ! 
saor  sinn,  saor  sinn  !  Thainig  e  le  iolach,  thug 
e  breab  laidir  do'n  chuaich,  agus  ho-re  !  ho-re  ! 
— tha  sinn  saor  aon  uair  eile. 

An  aithne  dhuit  rud  eile  as  fhearr  a  tha  a' 
cur  soluis  air  obair  shlainteil  Chriosd  na'n 
geam  so  ? 

Tha  f  hios  aige  gu  bheil  sinn  'n  ar  priosanaich 
ann  an  garaidh  ar  namhaid,  is  tha  e  a'  tighinn 
'n  a  chumhachd  a  thoii't  saorsa  dhuinn.  Chan 
'ell  peacadh  no  droch  chleachdadh,  glas  no 
priosan,  a  chumas  uainn  e,  ma  dh'  iarras  sinn  air 
cobhair  a  dheanamh  oirnn. 

Tha  an  Neach  so  na  's  toiUche  air  saorsa  a 
thoirt  dhuinn  na  tha  sinne  air  a  gabhail.  Uair- 
eigin  ann  an  GaHle  so  mar  a  labhair  e  mu  obair 
fein  ;  "  thainig  mi,"  ars  esan,  "  a  thoirt  fuas- 
glaidh  do  na  braighdibh." 

Sin  mar  tha  an  Tiomnadh  Nuadh  a  ghnath  a' 
labhairt  mu  Chriosd  agus  mu  obair,  gur  ann  a 
thoirt  saorsa  dhuinn  a  thainig  e. 

Uime    sin,    seasaibh   gu    daingemi    anns    an 
t-saorsa  leis  an  do  rinn  Criosd  saor  sihh." 


Ciod  do  bharail  fein,  a  leughadair,  air  an 
t-searmon  so  ? 

Tha  e  duiHch  dhomhsa  mo  bharail  fein  a 
thoirt  dhuit  ann  an  cainnt  mhin  shuairce,  oir 
tha  obair  de'n  t-seorsa  so  a'  toirt  oilbheim  do 
m'  eanchainn,  do  m'  choguis,  agus  do  gach  ni 


eile  air  a  bheil  meas  agam  'n  am  nadur  fein, 
agus  ann  an  nadur  na  cloinne. 

Anns  an  leabhar  as  an  tug  mi  an  searmon  so 
tha  deich  air  fhichead  eile  de'n  cheart  sheorsa, 
ach  ged  tha  feadhainn  dhiubh  na's  fhearr  na 
each,  tha  a'  choire  so  orra  uile,  nach  'eil  annta 
ach  beagan  teagaisg  agus  moran  sgeamlain. 
Tha  iad  mar  gu'm  faiceadh  tu  aon  ghrainne  sil 
air  a  phasgadh  ann  an  seachd  slatan  de  phaipear- 
ruadh. 


Chan  abair  mi  an  corr  mu'n  leabhar  so,  ach 
bu  mhaith  leam  a  radh  nach  'eil  am  fasan  iir  so, 
da  shearmOn  aig  an  aon  t-seirbhis,  cho  buann- 
achdail  do'n  eaglais  's  a  tha  moran  a'  saoilsinn. 
A  dh'  aon  ni  tha  an  dara  searmon  air  a  ghiorr- 
achadh  cho  mor  's  nach  'eil  cothrom  ceart  aig 
a'  mhinistear  air  seanchas  reidh  seaghail  a 
dheanamh  ri  daoine  mu  fhirinnean  mora  a' 
chreidimh,  agus  mar  is  trice  tha  na  naidheachdan 
faoine  a  bhios  air  an  innseadh  do'n  chloinn  a' 
milleadh  cail  a'  choimhthionail  do  theagasg 
ciallach. 

Feumar  na  h-uain  a  bheathachadh  cho  maith 
ris  na  caoraich,  ach  is  e  an  doigh  as  fhearr  air  a 
dheanamh,  leigeil  leo  ruith  comhla.  Gheibh  na 
h-uain  am  feur  a  dh'  fhoghnas  dhaibh  air  a' 
cheart  raon  air  a  bheil  na  caoraich  ag  ional- 
tradh. 

Tha  tiir  ann  an  cloinn  gu  nadurra,  ach  tha  na 
searmoin  a  bhithear  a'  toirt  dhaibh  cho  lean- 
abail  's  gu'm  bi  a'  chlann  a'  deanamh  t^ir  orra 
'n  an  cridhe. 


Ceisdean  Iain 


Leis  an  Uhhamach  Muhchadh  Mac  Le6id,  M.A.,  an  Cill  Mhoire,  's  an  Eilean  Sgitheanach 


Sann  air  feasgar  earraich,  feasgar  breagha 
blath,  gun  deo  air  a'  ghaoith — bha  ceo  nan 
tighean  a'  dol  suas  cho  direach  ri  peileir  gunna, 
agus  a  cheart  cho  direach  sin  bha  da  uiseag  a' 
dol  suas  as  m'  fhianuis,  's  iad  a'  seinn  gu  binn  ; 
aon  de  na  feasgair  ud  anns  am  bheil  e  comasach 
do  dhuine  a  dhi-chuimhneachadh  co  dhiii  tha  e 
anns  a'  choluinn  no  as  a'  choluinn  ;  's  ann  air 
an  fheasgar  sin  a  thainig  mi  air  Iain,  's  e  'na 
shineadh  air  taobh  cnuic.  Chuir  sinn  failte  air 
a  ch^ile,  agus  thubhairt  e,  "  Bha  mi  a'  smaoin- 
eachadh,  'n  am  shineadh  an  so,  air  gur  h-ann 
's  an  earrach  a  chuireadh  an  Slanuighear  gu  bas, 
agus  gur  docha  gur  h-ann  air  feasgar  a  cheart 
cho  sitheil,  aluinn  ri  so  a  bha  ludas  ag  iarraidh 
fath  air  losa  a  bhrath.  Thug  sin  mi  gu  ceisdean 
eile,  agus  bhithinn  'n  'ur  comain  na'n  cuireadh 
sibh  solus  orra  dhomh." 

Gheall  mi  dha  gu'n  deanainn  mo  dhichioll, 
agus  gun  fhios  nach  'eil  na  ceisdean  a  bha  air 
Iain  air  muinntir  eile,  's  i  so  a  cheud  te,  agus 
oidhirp  air  solus  a  chur  oirre. 


Feill  na  Caisge 

Ciod  a  bha  Feill  na  Caisge,  aig  na  shuidhich 
Criosd  sacramaid  suipeir  an  Tighearna,  a' 
ciallachadh  ? 

Tha  e  coltach  gu'n  robh  Feill  Caisge  nan 
ludhach  a'  ciallachadh  da  ni  dhoibh.  'S  e 
cuimhneachan  a  bha  ann  air  an  oidhche  a  ghabh 
Aingeal  a'  Bhais  seachad  air  tighean  nan 
Israeleach  anns  an  Eiphit,  ach  b'i  cuideachd 
Feill  an  arain  neo-ghoirtichte,  an  cuimhneachan 
a  bha  aca  air  a'  chabhaig  leis  an  d'  fhag  iad  tir 
na  h-Eiphit. 

Aig  am  na  Caisge  cha  robh  coir  gu'm  bitheadh 
an  smuirnean  bu  lugha  de  thaois  ghoirt  a  steach 
air  ballachan  an  tighe,  agus  gu  bhi  cinnteach 
nach  bitheadh  sin  ann,  bha  ceannard  an  teagh- 
laich  a'  lasadh  coinnle,  a'  dol  sios  air  a  ghliiinean, 
agus  a'  ruith  air  a  h-uile  ciiil  a  bha  'san  tigh. 

Air  a'  cheathramh  latha  deug  de  'n  mhios 
anns  an  robh  Feill  na  Caisge  air  a  cumail, 
'n  uair  a  bha  urnuighean  an  t-sinagoig  seachad, 
bha  an  teaghlach  uile  ri  cruinneachadh  mu'n 


CEISDEAN  IAIN 


bhord,  a  h-uile  neach  a  bha  's  an  tigh,  seirbh- 
eisich  oho  maith  ri  cloinn. 

Air  an  aon  oidhche  so  co  dhiii  dh'  fheumadh. 
iad  uile  a  bhi  mu'n  aon  bhoi'd,  oir  bha  na  h-uile 
seorsa  anns  an  Eiphit,  agus  chaidh  na  h-uile 
seorsa  a  shaoradh. 

Bha  am  bord  air  ullachadh  roimh  laimh 
agus  nithean  air  an  cuir  air,  a  bha  'n  an  cuimh- 
neachain  dhoibh  air  deuchainnean  na  h-Eiphit. 
Bha  tri  breacagan  de  aran  neo-ghoirtichte  ann, 
a'  samhlachadh,  tha  cuid  ag  radh,  an  Sagart,  an 
Leibhitheach,  agus  an  t-Israeleach  cunianta — 
b'e  sin  Israel  uile. 

Bha  truinnsear,  anns  an  robh  cneamh  agus 
ubh,  air  a  chur  air  uachdar  nan  tri  breacagan  ; 
an  t-ubh  a'  samhlachadh  coimhliontachd,  agus 
an  cneamh  mar  chuimhne  air  an  uan.  Le 
cheile  bha  iad  a'  ciallachadh  iobart  choinih- 
lionta. 

A  thuilleadh  air  a  sin  bha  bagaid  de  luibhean 
searbha,  cnothan  air  am  briseadh  sios  agus  air 
am  bogadh — a'  samhlachadh  na  creadha  leis 
am  bitheadh  iad  a'  deanamh  nan  clachan — 
creadha  anns  an  Eiphit,  agus  soitheach  le  uisge 
saillte,  air  a'  bhord. 

Bha  na  tri  nithean  sin  ann  gu  bhi  a'  cur  'n  an 
cuimhne  searbhadas  a'  bhraighdeanais,  a' 
chriadh,  agus  am  Muir  Ruadh. 

Bha  cupan  air  son  fion  aig  gach  neach  a  bha 
aig  a'  bhord,  agus  mu'm  bitheadh  an  t-suipeir 
seachad  bha  iad  a'  siiileachadh  gu'n  oladh  gach 
neach  a  chuid  de  cheithir  chupain  fiona. 

Cupan  an  Naomhachaidh 

B'e  ainm  a'  cheud  chupain,  Cupan  an  Naomh- 
achaidh, agus  an  deidh  dhoibh  ol,  bha  iad  an 
toiseach  a'  nigheadh  an  lamhan,  agus  an  sin  a' 
tumadh  nan  luibhean  searbha  anns  an  uisge 
shaillte,  agus  'g  an  itheadh. 

'S  ann  aig  am  sin  a  dheanamh  's  an  t-seomar 
uachdrach,  a  dh'  eirich  a'  chomhstri  am  measg 
nan  deisciobul,  a  chronaich  Criosd  le  eiseimpleir 
f^in,  'n  uair  a  ghabh  E  lamh  anart  agus  soitheach 
uisge,  agus  a  dh'  ionnlaid  e  an  casan. 

An  deidh  a'  chupain  so,  bha  an  dara  breacag 
air  a  briseadh  na  da  leth,  agus  air  a  folach  air 
ciil  cluasaig,  agus  a  reir  cleachdaidh,  bha 
leanabh,  ma  bha  aon  'san  dachaidh,  mur  an 
robh  bha  cuideigin  eile,  a'  cur  na  ceiste,  "  Ciod 
is  ciall  duibh  leis  an  t-seirbhis  so  ?  "  agus 
fhreagradh  an  t-athair  le  a  bhi  ag  innseadh 
eachdraidh  braighdeanas  na  h-Eiphit  agus  mar 
a  shaoradh  iad. 

Bha  iad  an  sin  a'  seinn  an  treas  agus  an 
ceathramh  salm  deug  ar  choig  fichead. 

Cupan  na  Saorsa 

An  deidh  nan  salm  sin  a  sheinn  bha  iad  ag 
61  an  dara  cupain,  Cupan  na  Saorsa,  no  a' 
Ghairdeachais,  agus  ag  itheadh  luibhean  searbh 


is  aran,  agus  na  cnothan  briste,  samhladh  na 
criadha. 

Bha  an  t-aran  air  fhilleadh  air  a  cheile,  agus 
air  a  thumadh  anns  na  cnothan  boga  briste, 
agus  air  itheadh.  B'e  sin  an  greim  an  deidh 
a  thumadh  a  thugadh  do  ludas,  "  Ni  an  deidh 
dhasan  a  ghabhail,  chaidh  e  mach  air  ball." 

Feumaidh  le  sin  nach  robh  ludas  idir  comhla 
ri  each  aig  an  am  anns  an  do  shuidhich  Criosd 
an  t-sacramaid. 

Bha  e  air  a  dhol  a  mach  as  an  t-seomar,  do'n 
oidhche,  mu'n  tug  Criosd  dhoibh  an  t-aran  agus 
an  cupan,  a  bha  gu  bhi  mar  chuimhneachan 
air  fein. 

'S  ann  an  deidh  an  da  chupain  ud,  Cupan  an 
Naomhachaidh,  agus  Cupan  na  Saorsa,  a  bha 
an  fhior  shuipeir  a'  toiseachadh,  an  t-am  aig  an 
robh  iad  ag  itheadh  iasg,  brot,  agus  feoil,  anns 
an  ordugh  sin. 

Cupan  a'  Bheannachaidh 

'N  uair  a  bha  sin  seachad  bha  a'  bhreacag  ud 
a  chaidh  a  chur  air  ciil  na  cluasaig  air  a  toirt  a 
mach  a  rithist,  agus  an  treas  cupan, — Cupan  a' 
Bheannachaidh, — air  61. 

Bha  a'  bhreacag  air  a  I'oinn  am  measg  na  bha 
stigh  agus  an  dorus  air  fhosgladh  gu  na  h- 
ursannan  "  ach  an  tigeadh  am  faidh  Eliah  a 
steach." 

Bha  iad  an  sin  a'  deanamh  iirnuigh,  agus  a' 
guidhe  gu'n  tigeadh  sgrios  air  naimhdean  Israeil, 
a'  cleachdadh  briathran  a  tha  anns  an  naoidh- 
eamh  salm  deug  ar  thri-fichead,  agus  anns  an 
treas  caibidil  de  Thuireadh  leremiah. 

"  Doirt  do  chorruich  air  na  cinnich  aig  nach- 
'eil  eolas  ort,  agus  air  na  rioghachdaibh  nach 
gairm  air  t-ainm.  Biodh  an  aite-taimh  fas  :  'n 
am  pailliunaibh  na  gabhadh  neach  c6mhnuidh. 
Ruaigidh  tu  ann  am  feirg,  agus  sgriosaidh  tu 
iad  o  bhi  fo  neamhan  an  Tighearna." 

'S  ann  an  uair  bu  ch6ir  dhoibh  an  iirnuigh 
uamhasach  sin  a  dheanamh  a  ghlac  Criosd 
Cupan  a'  Bheannachaidh,  an  oidhche  ud  anns  an 
t-se6mar  uachdrach,  agus  an  aite  na  briathran, 
ud  a  leughadh  shuidhich  e  cuimhneachan  air  a 
ghradh  siorruidh  fein  do  dhaoine  ;  an  t-aran 
briste  a'  salnhlachadh  a  chuirp,  a  bha  gu  bhi  air 
a  bhriseadh,  agus  Cupan  a'  Bheannachaidh, 
cuimhneachan  na  fola  a  bha  gu  bhi  air  a  d6irt- 
eadh  an  iiine  ghoirid  chum  gu'n  ruigeadh 
beannachd  chan  ann  a  mhain  air  Israel,  ach, 
mar  an  ceudna,  air  a  mhuinntir  a  chleachd 
iadsan  a  bhi  a'  mallachadh  aig  am  dhoibh  a  bhi 
ag  61  an  treas  cupain  aig  Feill  na  Caisge. 

Cupan  a'  Mholaidh 

B'e  an  ceathramh  cupan,  Cupan  a'  mholaidh, 
agus  an  deidh  dhoibh  61  bha  iad  a'  seinn  sailm 
eile,  an  ceathramh  gus  an  ochdamh  salm  deug 
ar  she  fichead.     'S  e  sin  an  t-seinn  a  tha  air  a 


CEISDEAN  IAIN— COR  NA  GAIDHEALT AC^Hfi 


h-ainmeachadh  anns  an  t-soisgeul,  far  am  bheil 
e  sgriobhta,  "  agus  air  dhoibh  laoidh  a  sheinn, 
chaidh  iad  a  mach  gu  sliabh  nan  crann-ola.  " 

An  oidhche  ud  anns  an  t-seomar  uachdrach 
thug  Criosd  ciall  iir  do'n  t-suipeir.    O  'n  oidhche 


ud  bha  Cupan  a'  Bheannachaidh  agus  an  t-arail 
briste  gu  bhi  mar  chuimhneachan  chan  ann  air 
an  uan  a  bha  aca  anns  an  Eiphit,  ach  air  an 
fhior  Uan  Chaisge, — Uan  Dhe,  a  tha  a'  toirt  air- 
falbh  peacaidh  an  t-saoghail. 


Cor  na  Gaidhealtachd 

Lr.is  AN  Urh  T.  M.  MacCalmain,  M.A.,  an  Govan 

{Air  d  leantuinn) 


ACH  air  an  laimh  eile  tha  mi  ag  radh  cuideachd 
-nach  ruig  neach  a  leas  a  bhi  smuaineachadh 
gu'm  bi  sonas  agus  riarachas  aige  ma  theid 
fhuasgladh  o  chuibhreach  na  bochdainn.  N'am 
b'ann  mar  sin  a  bha  a'  chilis  bhitheadh  saoibh- 
reas  agus  sonas  a'  dol  lamh  air  laimh,  rud  nach' 
6il.  Tha  cairdean  is  eolaich  agam-sa  a  tha  a' 
stri  mar  as  fhearr  as  urrainn  dhaibh  a  chum 
cor  aimsireil  an  t-sluaigh  chumanta  a  leasachadh, 
ach  is  duilich  leam  a  radh  gu'm  bheil  feadhainn 
diubh  de'n  bheachd  ma  chuireas  iad  as  do 
bhochdainn  gu'm  bi  a  h-uile  ni  mar  is  coir  agus 
gach  neach  sona.  Agus  their  feadhainn  dhiubh 
cuideachd  nach  'eil  mise  agus  mo  sheorsa  ach  a' 
cur  dhaoine  'n  an  cadal  a  thaobh  an  cor  aim- 
sireil le  bhi  cumail  fan  comhair  beannachdan 
agus  geallaidhean  na  beatha  spioradail.  'S  e 
so  mo  f  hreagairt  dhaibh. 

"  Cha  mhise  idir  no  mo  sheorsa  a  tha  a' 
mealladh  an  t-sluaigh.  Ach  tha  sibh-se  a' 
mealladh  dhaoine  agus  g  ar  mealladh  fein. 
Tha  sibh-se  a'  teagasg  gu'm  bheil  gach  neach 
'n  a  oighre  dhligheach  air  cuibhrionn  iomchuidh 
de  na  dheasaich  an  Cruithear  a  chum  maith 
aimsireil  a'  chinhe-daonna,  ach  tha  mise  a' 
teagasg  sin  agus  barrachd.  Tha  mi  ag  radh 
gu'm  bheil  gach  neach  'n  a  oighre  air  oighreachd 
moran  na's  luachmhoire  na  tha  sibh-se  a' 
tairgse  dha,  agus  's  ann  a  tha  sibh  a'  saoilsinn 
ma  gheibh  duine  sealbh  air  an  dara  leth  de'n 
oighreachd  a  bhuineas  dha  le  coir  gum  foghainn 
sin,  's  tha  sibh  a'  deanamh  tair  air  an  leth  eile, 
an  leth  as  priseile  buileach." 

Da  ni  feumail 

* 
'S  e  mo  bheachd-sa,  mar  sin,  nach  ann  a 
mhain  le  goireasan  agus  comhfhurtan  a  chur  an 
lionmhoireachd  a  theid  cor  na  Gaidhealtachd 
a  leasachadh.  Cho  fad  s  a  tha  duine  de'n 
bharail  mar  is  motha  a  bhitheas  aige  gur  ann  is 
toilichte  a  bhitheas  e,  bithidh  e  faicinn  choth- 
roman  is  ghoireasan  thall  's  a  bhos  agus  anns 
gach  aite  ach  a  mhain  's  an  aite  's  am  bheil  e 
fhein.  Chan  eil  an  so  ach  mealladh,  agus  a 
chum  neach  a  chur  saor  o'n  mhealladh  sin  tha 
feum  air  da  ni,  naidheachd  ghrasmhor  an  t- 
soisgeil  gus  iompachadh  'n  a  chridhe,  agus 
oileanachadh  inntinne  gus  gliocas  a  thoirt  dha, 
agus  gus  a  theagasg  gu  bhi  deanamh  Ian  f  heum 
de  na  cothroman  a  tha  aige. 


Cha  ruig  mi  a  leas  dad  a  radh  aig  an  am  mu'n 
aite  a  dh'fheumas  a  bhi  aig  searmonachadh  an 
t-soisgeil  ann  an  leasachadh  cor  nan  Gaidheal, 
mar  ann  an  leasachadh  cor  gach  sluaigh,  oir  tha 
cothrom  aig  gach  neach  a  leughas  an  oraid  so 
air  an  t-soisgeul  a  chluinntinn  gach  Sabaid  n  an 
sgireachd  fhein,  no  co  dhiu  tha  Facal  Dhe 
dliith  dhaibh  gus  feum  a  dheanamh  dheth. 
Ach  bu  mhath  leam  beagan  a  radh  mu  oilean- 
achadh. 

Sgoilean  na  Gaidhealtachd 

Tha  mi  gle  chinnteach  nach'eil  cearn  eile  's 
an  t-saoghal  far  am  faighear  cothrom-foghluim 
mar  a  gheibhear  's  a'  Ghaidhealtachd,  O 
chionn  aireamh  mhor  bhliadhnaichean  bha  a' 
Ghaidhealtachd  air  thoiseach  air  gach  roinn  eile 
de'n  rioghachd  a  thaobh  so,  agus  taing  do'n 
Eaglais  air  son  sin.  Bi  an  Eaglais  ann  an 
tomhas  mor  a  chuir  air  chois  sgoilean  na 
Gaidhealtachd  an  toiseach  agus  a  chum  air 
adhart  iad  suas  gus  a'  bhliadhna  1872,  agus 
eadhon  bho'n  am  sin  cha  do  chaill  an  Eaglais  a 
h-iiidh  ann  an  oileanachadh  na  h-6igridh. 
Saoilidh  mi  gu'm  bheil  aireamh  na  h-6igridh  's 
a'  Ghaidhealtachd  a  tha  dol  air  adhart  do'n 
ard-sgoil  agus  do'n  oil-thigh,  an  coimeas  ri 
aireamh  an  t-sluaigh,  fada  na's  motha  na 
gheibhear  an  cearn  air  bith  eile.  The  aobhar 
tarngealachd  ann  an  sin,  ach  chithear  an  so  aon 
de  na  h-aobharan  a  tha  a'  tanachadh  an  t- 
sluaigh.  De  'n  aireamh  a  tha  a'  faighinn  ard- 
fhoghluim,  feumaidh  a'  mhor-chuid  am  beatha 
a  chur  seachad  an  taobh  a  mach  do'n  Ghaidh- 
ealtachd, oir  chan  'eil  aitean  dhaibh  uile  anns 
a'  Ghaidhealtachd.  A  rithist,  tha  seorsa  de 
bheachd  am  measg  dhaoine  nach  'eil  foghlum 
sam  bith  buannachdail  •  ach  am  foghlum  a 
dheasarcheas  a'  chlann  air  son  ard-sgoil  is  oil- 
thigh  agus  air  son  a  bhi  'n  an  dotairean,  'n  am 
ministearan,  'n  an  luchd-teagaisg,  agus  an 
seorsa  sin. 

Eolas  na  laimhe 

Tha  feum  air  gu'm  bitheadh  ann  an  sgoilean 
na  Gaidhealtachd  barrachd  oileanachaidh 
air  a  thoirt  gus  an  oigridh  uidheamachadh 
air  son  gach  seorsa  oibre  air  muir  agus  air 
tir  a  gheibhear  'n  an  diithaich  fein.  Agus 
tha  feum  gu'm  bitheadh  clann  air  an  teagasg 


COR  NA  GAIDHEALTACHD 


gus  tlachd  a  ghabhail  aims  na  nithean  sin  a 
gheibhear,  agus  a  chithear,  agus  a  ghabhas 
deanamh  's  an  aite  's  am  bheil  iad,  iomallach 
's  gu'm  faod  e  a  bhith.  Chan  ann  anns  na 
bailtean  mora  a  mhain  a  tha  na  nithean 
iongantach  agus  annasach,  agus  chan  ann  a 
mhain  's  na  coUaistean  mu  dheas  a  dh'fhogh- 
luimear  gliocas  agus  a  mheudaicheai*  eolas. 
Anns  na  laithean  o  shean  bha  tuigse,  agus 
gUocas,  agus  geiread  inntinn,  agus  toileachadh 
ann  an  nithean  simpUdh  agus  ann  an  nithean 
nadurra,  air  am  faotainn  am  measg  nan 
Gaidheal  eadhon  an  uair  nach  robh  a  bheag 
dhiubh  comasach  air  peann  a  chur  ri  paipear. 
Is  mor  an  call  gu'n  saoileadh  Reach  gur  ann  ann 
an  leabhraichean  a  mhain,  agus  ann  an  canain 
nan  Gall,  a  gheibhear  soillseachadh  inntinne. 

Comhfhurtachd  a'  chuifp 

Thubhairt  mi  gu'm  feumadh  da  rud  tachairt 
mus  tigeadh  tilleadh  ann  an  dol-as  na  Gaidheal- 
tachd.  B'e  aon  diubh  gu'n  ionnsaicheadh 
daoine  lan-fheum  a  dheanamh  de  an  cothroman, 
beag  agus  suarach  's  gu'm  faod  na  cothroman 
sin  a  bhith.  B'e  an  t-aon  eile  gu'm  bitheadh 
e  air  a  dheanamh  a  cheart  cho  buannachdail 
agus  cho  comhfhurtail  do  dhaoine  a  bhi  fuireach 
's  a'  Ghaidhealtachd  's  ged  a  bhitheadh  iad  air 
a'  Ghalldachd. 

Their  fe?idhainn  nach  gabh  so  a  dheanamh  ; 
their  mise,  ged  nach  gabh  a  dheanamh  gus  an 
ire  a  mhiannaicheadh  daoine,  gu'm  bu  choir 
oidhirp  a  dheanamh  le  so  anns  an  amharc. 
Tha  fhios  aig  gach  neach,  ma  thainig  adhartas 
sam  bith  anns  a'  Ghaidhealtachd  anns  a'  leth- 
cheud  bliadhna  a  tha  nis  air  ruith,  gu'n  tainig 
an  t-adhartas  sin  an  tomhas  mor  an  lorg  Achd 
nan  Croitearan,  reachd  a  thug  tearuinteachd 
agus  misneach  do  na  croitearan  mar  nach  robh 
aca  roimhe.  Rinneadh  Achd  nan  Croitearan 
mar  thoradh  air  a'  mhin-sgrudadh  a  rinn 
Commission  a'  Mhorair  Napier.  Ach  ged  bu 
mhath  Achd  nan  Croitearan,  tha  corr  Ts  leth- 
cheud  bUadhna  air  ruith  bho'n  am  sin,  agus  tha 
sinn  an  saoghal  iir  an  diugh,  agus  ma  tha 
adhartas  's  a'  Ghaidhealtachd  tha  moran 
chiiisean  ann  cuideachd  a  tha  cur  feuma  air 
ceartachadh. 

Earailean  na  Comhairle 

Ann  an  1936  chaidh  Comhairle  a  thaghadh 
gus  rannsachadh  a  dheanamh  mu  chor  na 
Gaidhealtachd  's  an  linn  so,  mar  a  rinn  Com- 
niission  Napier  's  an  linn  a  dh'fhalbh.  Ghabh 
a'  Chomhairle  so  corr  is  da  bhliadhna  a'  dol  o 
aite  gu  aite,  a'  ceasnachadh  gach  seorsa,  ag 
eisdeachd  ri  iomadh  barail,  agus  a'  faicinn  le'n 
siiilean  fein  suidheachadh  nan  Gaidheal  anns 
gach  cearn.  Aig  deireadh  na  bliadhna  so 
^hai  Ih  chuir  iad  crioch  air  an  obair  agus  thug 


iad  am  follais  cunntas  air  cor  na  Gaidhealtachd 
agus  earailean  gus  cinsean  a  cheartachadh. 
"  Saoilidh  am  fear  a  bhitheas  'n  a  thamh  gur  e 
fhein  as  fhearr  lamh  air  an  stiuir."  Mar  sin, 
's  e  gle  bheag  de  dhaoine  a  leugh  an  leabhar  a 
tha  riaraichte  leis  a  h-uile  rud  a  tha  a'  Chomh- 
airle ag  radh.  Ach  cha  robh  riamh,  agus  cha 
bhi  gu  brath,  Comhairle  no  Commission  ann  a 
riaraicheas  a  h-uile  duine.  Tha  a'  mhor-chuid 
de  dhaoine  aig  am  bheil  eolas  air  ciiisean 
Gaidhealach  a'  moladh  agus  ag  aontachadh  le 
earailean  na  Comhairle,  ged  a  dh'fhaodadh 
cuid  de  na  h-earailean  sin  a  bhi  na  b'fhearr  na 
tha  iad. 

Ard-ughdarras 

Cha  cheadaich  iiine  earailean  na  Comhairle  a 
chur  sios  an  so,  oir  tha  corr  is  da  cheud  taobh- 
duilleig  's  an  leabhar  a  chuir  iad  a  mach,  agus. 
feudaidh  gach  neach  a  thogras  a  cheannach  air 
da  thasdan,  agus  is  math  is  fhiach  e  sin. 
Foghnaidh  e  dhomh  so  a  radh.  Tha  a'  Chomh- 
airle ag  earalachadh  gu'm  bitheadh  Ard- 
iighdarras  air  a  shuidheachadh  gus  obair- 
leasachaidh  a  thoiseachadh  agus  a  chumail  air 
adhart  anns  a'  Ghaidhealtachd  ;  gu'n  gealladh 
an  Stait  do'n  Ughdarras  sin  na  dh'fhoghnas  de 
dh'airgiod  a  chum  na  criche  sin  ;  agus  gu'n 
cumadh  an  da  chuid  an  t-Ard-iighdarras  so 
a.gus  an  Stait  fan  comhair  gur  e  a  tha  a  dhith 
air  a'  Ghaidhealtachd  cothrom-cosnaidh  air  son 
an  t-sluaigh  agus  duais  iomchuidh  air  son  an 
saothrach,  agus  goireasan  a  thoirt  dhoibh  de 
gach  seorsa  a  tha  feumail.  Tha  moraii  air  a 
radh  ann  an  leabhar  na  Comhairle-rannsachaidh 
mu  mhargaidhean  is  mu  phrisean,  mu  ghoireasan 
siubhail  air  muir  is  tir  agus  's  an  adhar,  agus  mu 
fharaidhean,  mu  obair  chroitearachd  agus 
thuathanachas  agus  iasgach,  mu  obair-choille 
agus  mu  thighean-comhnuidh,  mu  obair-uisge, 
mu  oileanachadh  agus  mu  iomadh  rud  eile. 

Saothair  dhiomhain  ? 
'S  i  a'  cheist  mhor  a  nis  :  Am  bheil  an 
Riaghaltas  a'  dol  a  ghabhail  ris  na  h-earailean 
sin,  no  am  bheil  saothair  na  Comhairle  a'  dol  a 
bhi  gun  bhuil  agus  a'  Ghaidhealtachd  ri  bhi  air 
a  fagail  mar  a  tha  i,  a'  call  a  cuid  sluaigh  'n  am 
miltean  gach  bliadhna  gus  mu  dheireadh  nach 
bi  air  fhagail  anns  gach  sgireachd  ach  leth- 
dusan  de  mhuinntir  aosda,  na  sgoilean  diiinte, 
na  croitean  fo  luachair,  na  monaidhean  fo 
raineach,  na  sleibhtean  fo  fheidh  ?  Tha  spairn 
chruaidh  'g  a  deanamh  aig  an  am  gus  toirt 
air  an  Riaghaltas  dol  an  car  a'  ghnothuich  gun 
dail,  oir  thugadh  gealladh  an  uair  a  thaghadh  a' 
Chomhairle  an  toiseach  nach  bitheadii  an 
saothair  diomhain.  Tha  cuid  de  Ghaidheil  an 
deidh  gach  rud  air  an  smuainich  iad  a  dheanamh 
gus  toirt  air  an  Riaghaltas  gluasad  anns  a' 
phuis,  ach  is  bochd  an  gnothuch  e  gu'm  bheil  a' 


COR  NA  GAIDHEALTACHD— AIG  AN  UINNEIG 


mhor-chuid  de  shluagh  na  Gaidhealtachd  'n  an 
tosd  mu'n  ni  so. 

Caradh  no  iir-thogail 

Bithidh  mi  fhein  a'  samhlachadh  na  Gaidh- 
ealtachd ri  seann  tigh  a  tha  cur  feum  air  caradh. 
Ma  tha  an  tigh  air  fas  scan  is  eu-dionach  is  mi- 
chomhfhurtail,  feudar  da  rud  a  dheanamh. 
Feudar  seorsa  de  chai-adh  a  dheanamh  air, 
sgleat  iir  no  dha  a  chur  air  a'  mhullach,  aol  a 
chur  air  na  ballaichean,  peant  a  chur  air  na 
h-uinneagan  agus  air  an  dorus.  Ach  gheibh 
thu  mach  nach  fhada  gus  am  feum  thu  dol  'n  a 
char  a  rithist.  An  uair  a  tha  tigh  air  fas  cho 
sean  's  gu'm  bheil  e  a'  cur  feum  air  caradh  gu 
bitheanta,  tha  e  moran  na's  fhearr  agus  na's 
saoire  air  a'  cheann  thall  a  thogail  as  iir,  ged 
a  dh'fhaodas  tu  anns  an  togail  iir  feum  a 
dheanamh  de'n  t-seann  larach  agus  de  na  seann 
chlachan.  'S  ann  mar  sin  a  tha  a'  Ghaidh- 
ealtachd,  'n  am  bheachd-sa.  Cha  dean  caradh 
a'  chilis,  s  cha  dean  tuathagan  beaga  an 
gnothuch.  Ach  ma  tha  thu  dol  a  thogail  tigh 
iir,  feumaidh  tu  tri  nithean  ;  dealbh  no  "  plan," 
fear-deilbh  no  fear-gnothuich,  a  chi  gu'm  bi  an 
togail  air  a  dheanamh  a  reir  a'  phlan,  agus 


luchd-oibre.  A  thaobh  iir-thogail  na  Gaidh- 
ealtachd, tha  earailean  na  Comhairle-rannsach- 
aidh  a'  nochdadh  dhuinn  a'  phlan  no  a'  mhodh 
air  an  coir  dhuinn  togail  ;  tha  feum  againn  air 
Ard-iighdan-as  a  chi  gu'n  teid  gnothuichean  air 
adhart  a  reir  a'  phlan  ;  agus  is  iad  Bord  an 
Fhearainn  agus  Bord  na  Slainte  agus  Bord  an 
lasgaich  agus  na  Comhairlean  Siorramachd 
agus  na  Comhairlean  lonadail  agus  an  seorsa 
sin  an  luchd-oibre  aig  am  bi  lamh,  gach  aon  a 
reir  a  cheaird  f  hein^  anns  an  togail  iir  a  tha  sinn 
a'  miannachadh. 

An  t-airgiod 

Tha  cothrom  mor  far  comhair  aig  an  am, 
cothrom  nach  tig  gu  brath  tuilleadh  ma  leigeas 
sinn  seachad  e,  chum  cor  na  Gaidhealtachd  a 
chur  am  feabhas  agus  stad  a  chur  air  an 
fhasachadh  a  tha  dol  air  adhart  's  an  taobh 
tuath.  Cosdaidh  e  airgiod  !  Cosdaidh  e  sin, 
ach  cha  chosd  e  barrachd  airgid  na  tha  cheana 
air  a  chosd  's  a'  Ghaidhealtachd  agus  gle  thric 
gun  ach  beagan  buannachd  'n  a  lorg.  ,Ma  tha 
airgiod  ri  bhi  air  a  chosd,  bitheadh  e  air  a 
chosd  ann  an  doigh  ghlic  agus  bhuannachdail. 
Na  cosdamaid  e  a'  caradh  thuathagan  air  seann 
deise  ;   cosdamaid  e  air  deise  iir. 


Aig  an  Uinneig 


Gniomh  uasal 

ANNS  na  bliadhnachan  anns  an  deachaidh 
xA-iasgach  ansgadain  an  aghaidh  nan  iasgairean 
ann  an  aon  de  na  h-Eileanan  Siar  lean  fear  de 
mharsantan  an  eilein  air  biadh  is  aodach  is 
goireasan  eile  a  thoirt  do  na  h-iasgairean  air 
dail.  Ach  b'  e  an  deireadh  a  bha  aige,  gu'n  do 
bhris  e,  agus  gu'm  b'  fheudar  dha  cordadh  a 
dheanamh  r'a  luchd-fiach  le  beagan  thasdan  a 
thoirt  dhaibh  as  an  not. 

Ach  an  uair  a  dh'  fhas  timeannan  na  b'  fhearr 
shoirbhich  cliisean  leis  a'  mharsanta  ud  a  ris, 
is  fhuair  e  air  a  chasan.  An  sin  chuir  e  sanas 
ann  an  Tim  an  Obai?i,  ag  radh  gu'm  biodh  e 
'nan  comain  gu  mor  nan  cuireadh  a'  chuid  a 
bha  beo  da  luchd-fiach,  agus  oighreachan  na 
feadhnach  a  bha  marbh,  fios  chuige,  oir  gu'm 
bu  mhaith  leis  a  h-uile  sgillinn  a  bha  aca  air  a 
phaidheadh. 

Tha  gniomh  uasal  'n  a  bhuannachd  do'n 
t-saoghal  uile  ;  'n  a  aile  beatha  chum  beatha, 
is  faodaidh  tu  a  bhi  cinnteach  gu  robh  iomadh 
marsanta  eadar  Steornabhagh  agus  an  t-Oban 
air  a  bhioradh  'n  a  choguis  an  uair  a  leugh  e 
ann  an  Thn  an  Ohain  mu'n  doigh  anns  an  do 
chuir  an  duine  ud  a  chuisean  saoghalta  an 
ordugh. 

An  uair  a  tha  coguis  duine  a'  fas  cho  maoth 


's  nach  toir  i  fois  dha  gus  an  cuir  e  ceart  an  ni 
a  bha  cearr  eadar  e  fein  agus  a  bhraithrean 
no  a  choimhearsnaich,  tha  e  air  an  t-slighe 
dhirich  gu  bhi  ann  an  sith  ri  Dia  mar  an  ceudna. 
Ma  tha  duine  ann  an  daimh  chearr  ri  bhraith- 
rean cha  bhi  e  ann  an  daimh  cheart  ri  Dia. 
Uime  sin,  ma  hheir  thu  do  thabhartas  chxvm  na 
h-altarach,  agus  gu'n  cuimhnich  thu  an  sin  gu  bheil 
ni  air  bith  aig  do  bhrathair  ad'  aghaidh,  fag  do 
thabhartas  a?i  sin  an  lathair  na  h-altarach,  agus 
imich  agus  dean  reite  air  tits  ri  d'  bhrathair,  agus 
an  deidh  sin  thig  agus  tabhair  uart  do  thtodhlac  " 
(Mata  V.  23-24-). 

??i«M>e.  ^^Hfh  '"'^^ 

^Q,^(,jj^  A^ic^  w;»  cmc, 


^ 


'M6K.*' 


Aireamh  lo 


939 


Crioch  nan  uile  nithean  ? 


"  Tlia  crioch  nan  idle  nithean  am  fag  us  ;  uime  sin  bithibh  measarra,  agus  deanaibh  faire  chum  urnuigh." — 

1  Peadak  iv.  7. 


M 


A  bha  Peadar  an  diiil  gu  robh  deireadh  an 
t-saoghail  dliith  bha  e  air  a  mhealladh. 
Bha  moran  de  na  creidmhich  anns  a'  cheud  hnn 
an  diiil  gu  robh  dara  teachd  an  Tighearn  cho 
dliith  's  gu'm  faiceadh  iad  le'n  suilean  e  ann 
am  beagan  time.  Thog  iad  cearr  facail  a 
labhair  Criosd  mu'n  chuis  so,  ach  ged  bha  iad 
cearr  ann  an  aon  seagh  bha  iad  ceart  gu  leor 
ann  an  doigh  eile,  oir  anns  na  laithean  ud  bha 
breitheanais  Dhe  air  an  talamh,  is  bha  Dia  a' 
crathadh  nan  nithean  a  bha  deas  gu  dol  as  an 
t-sealladh  chum  gu'm  fanadh  na  nithean  nach 
gabh  crathadh. 

Bha  fhios  aig  Peadar  gu  robh  luchd-lean- 
mhuinn  Chriosd  ri  bhi  air  an  dearbhadh  mar 
le  teine  anns  na  laithean  cunnartach  ud,  agus 
gu'm  feumadh  iad  am  fianuis  a  thogail  gun  dail, 
agus  mar  sin  thubhairt  e  riu,  "  Bithibh  measarra 
agus  deanaibh  faire  chum  tirnuigh." 

Leis  an  fhacal  "  measarra  "  bha  Peadar  a' 
ciallachadh  tuilieadh  's  a  bhi  stuama  ;  bha  e 
a'  ciallachadh  iad  a  bhi  neo-ghluasadach  ri 
aghaidh  gabhaidh,  inntinn  laidir  fhallan  a  bhi 
aca  nach  rachadh  am  breishch,  agus  nach 
tiomadh  roimh  f  hreasdal  searbh, 

Ach  a  thuilleadh  air  iarraidh  orra  an  inntinn 
laidir  sin  a  bhi  aca  dh'  iarr  e  orra  cuideachd 
faire  a  dheanamh  chum  urnuigh,  agus  an 
dochas  a  chur  anns  na  feartan  diomhair  a  tha 
o'n  airde. 

Na'n  robh  Peadar  a'  labhairt  ruinne  anns  na 
laithean  deireannach  so,  agus  anns  an  t-suidh- 
eachadh  anns  a  bheil  ar  rioghachd  an  diugh, 
theireadh  e  ruinn  a  cheart  rud  a  thubhairt  e 
ris  na  ceud  Chriosduidhean,  "  Biodh  inntinn 
fhallan  agaibh  agus  deanaibh  urnuigh." 

Tha  feum  againn  air  inntinn  fhallan,  oir  chan 
'eil  e  furasda  inntinn  fhallan  a  chur  bharr  a 
siiiil  ;  bheir  i  breith  chothromach  far  an  rachadh 
inntinn  lag  no  eagallach  fada  cearr.  Agus  tha 
feum  againn  air  urnuigh,  chan  ann  a  mhain  a 
dh'  iarraidh  cobhair  o  Dhia  ach  a  chumail  ar 
n-iarrtusan  a  reir  a  thoile. 

An  am  cogaidh  tha  daoine  titheach  air 
urnuighean  cearr  a  thairgsinn,  agus  mar  sin  bu 
choir  dhuinn  am  facal  so  a  chuimhneachadh 
a  ghnath,  "  Ma  bheir  mi  speis  do  euceart  'n 
am  chridhe  chan  eisd  an  Tighearna  rium." 
Duine  air  bith  a  ni  urnuigh  ann  am  feirg,  no 
ann  an  gamhlas,  no  a  dh'  iarras  air  Dia  aon- 
tachadh  leis  fhein,  sin  agad  duine  aig  a  bheil 
speis  do  euceart  'n  a  chridhe. 

Anns  a'  chogadh  a  tha  air  eirigh  as  iir  bithidh 
cuid  de  leughadairean  na  duilleig  so  ri  aghaidh- 


bualaidh,  is  bithidh  cuid  eile  air  am  fagail  aig  an 
tigh.  Is  e  na  gillean  oga  a  dh'  fheumas  teas 
agus  uallach  an  la  a  ghiiilan,  direach  a  chionn 
gu  bheil  iad  bg  agus  laidir,  ach  tha  e  mar  f hia- 
chaibh  air  seann  daoine  agus  leth  sheann  daoine 
agus  gach  aon  eile  a  dh'  fhagar  aig  an  tigh 
feuchainn  ri  cridhe  agus  inntinn  na  duthcha 
a  chumail  fallan  agus  Criosdail.  Ciod  an 
tairbhe  a  bhiodh  ann  dhuinn  mar  rioghachd 
a'  bhuaidh  a  chosnadh  na'n  tuiteamaid  air 
falbh  bho  na,  nithean  a  tha  urramach  agus  uasal, 
o  f  hirinn  &gus  o  cheartas  ?  An  am  cogaidh  tha 
an  f  hearg  agus  am  miorun  a  bhios  ann  an  cridh- 
eachan  dhaoine  anabarrach  titheach  air  an 
coguisean  agus  an  inntinnean  a  dhalladh,  agus 
mar  sin  feumaidh  sinn  feuchainn  ri  cui^ean 
fhaicinn  ann  an  solus  Dhe  agus  ann  an  solus 
fhacail,  los  ar  n-inntinnean  fein  a  chumail 
^allan.  Agus  chan  'eil  doigh  as  fhekrr  air 
ciiisean  fhaicinn  ann  an  solus  Dhe  na  tirnuigh 
a  dheanamh. 

Dionaidh  ar  saighdearan  agus  ar  seoladairean 
ar  dtithaich  agus  ar  cladaichean,  ach  is  ann 
air  an  eaglais  agus  air  luchd-aideachaidh  a  tha 
e  mar  fhiachaibh  anam  na  rioghachd  a  dhion 
o  naimhdean  as  miosa  agus  as  sgriosailena 
eadhon  a'  Ghearmailt,  na  faireachduinnean 
borb  sin  a  chuireadh  ar  ciall  agus  ar  coguis  bharr 
a'  chriiin.  "  Uime  sin  bithibh  measarra  agus 
deanaibh  faire  chum  urnuigh." 

Gleidheamaid  fa  chomhair  ar  stil  a  ghnath 
an  sealladh  so,  an  Tighearna  Dia  air  a  righ- 
chathair  ;  chan  e  Dia  Bhreatuinn,  no  Dia  na 
Gearmailte,  ach  Dia  na  talmhainn  uile  aig 
nach  'eil  claon-bhaigh  ri  rioghachd  seach  a 
cheile,  agus  a  tha  neo-chaochlaideach  'n  a 
naomhachd,  'n  a  cheartas,  agus  'n  a  fhirinn. 
"  Anns  gach  uile  chinneach  tha  an  neach  air 
a  bheil  eagal  Dhe,  agus  a  dh'  oibricheas  firean- 
tachd,  taitneach  leis." 

"  Mur  tog  an  Tighearn  an  tigh,  gu  diomhain 
saothraichidh  a  luchd-togail  :  mur  gleidh  an 
Tighearn  am  baile,  gu  diomhain  ni  am  fear- 
coimhid  faire."  Obair,  no  riiintean,  no  innleachd 
air  bith,  nach  'eil  a  reir  reachdan  siorruidh  Dhe, 
cha  soirbhich  iad  is  cha  mhair  iad.  Theagamh 
gu'm  mair  iad  uine  ghearr,  is  faodaidh  iad  mair- 
sinn  cho  fada  's  gu'm  fas  cridheachan  meata 
fann,  ach  tha  am  binn  air  a  seulachadh,  do 
bhrigh  gu  bheil  Dia  air  a  righ-chathair.  Sin 
an  sealladh  a  bheir  air  daoine  eagallach  mis- 
neach  a  ghlacadh,  agus  inntinn  laidir  a  bhi  aca. 

Deanaibh  faire  chum  tirnuigh 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


Be  Mairi  Bhrunach,  no  inar  theireadh  iad 
rithe,  Mairi  Mhor  an  Drobhair,  an  te  mu 
dheireadh  ann  an  Cille-sgumain  a  chaidh  gu 
Loudi  a  dheanamh  na  buana.  Ach  bha  i  a' 
deanamh  tuilleadh  is  obair  an  Fhoghair,  oir 
bhiodh  i  a'  falbh  a  h-uile  bliadhna  mu 
Bhealltuinn  agus  cha  tigeadh  i  dhachaidh  gu 
Samhuinn. 

Chan  'eil  ach  gu  bheil  cuimhne  agani  air 
Mairi,  oir  shiubhail  i  'n  a  f  ior  sheana  bhoirionn- 
ach  m'  an  robh  mise  ach  mu  sheachd  bhadhna 
a  dh'  aois,  ach  fad  iomadh  bUadhna  an  deidh  a 
bais  bha  cuid  de  na  facail  a  bhiodh  i  ag  radh 
air  an  cuniail  suas  am  measg  dhaoine  an  Cille- 
sgumain.  Aig  an  am  cha  robh  f  hios  agam  ciod 
a  bha  iad  a'  ciallachadh,  ach  tha  fhios  agam 
a  nis. 

An  uair  a  chitheadh  i  duine  air  bith  ag  obair 
gu  leasg  slaodach,  no  a'  deanamh  obair  ghroic- 
eil,  theireadh  i,  "  Is  furasd  fhaicinn  nach  'eil 
Uisdean  Bertram  air  do  shail,"  agus  na'n  cluinn- 
eadh  i  duine  a'  boilich  mu  aite  no  mu  ni  fo'n 
ghrein,  theireadh  i,  "  Och,  och,  a  thruaghain, 
chan  fhaca  tusa  Fentonbarns." 

Bha  tigh  Mairi  'n  a  thigh-ceilidh  aig  oigridh 
Chille-sgumain,  is  bhiodh  iad  a'  dol  ann  a  dh' 
aon  ghnothuch  gus  Mairi  a  chur  a  sheanchas 
mu  Loudi.  Cha  robh  e  duiUch  dhaibh  sin  a 
dheanamh,  oir  cha  robh  seanchas  eile  aice,  is 
cha  robh  rud  air  an  t-saoghal  a  b'  fhearr  leatha 
na  bhi  ag  innseadh  mu  euchdan  Uisdein  Bert- 
ram, agus  mu'n  bharr  a  chunnaic  i  a'  fas  air 
achaidhean  Fentonbarns  ;  barr  cho  ti-om  's 
nach  robh  riim  air  na  h-achaidhean  do  na  h- 
adagan.  Ged  a  bhiodh  Iain  a  bi'athair  ag 
innseadh  naidheachdan  air  Fionn  Mac  Cumhail 
agus  Feachd  na  Feinne  cha  robh  ann  am  Fionn 
no  'n  a  cheatharnaich  ach  daoine  suarrach  ann 
an  siiilean  Mairi  an  coimeas  ri  Uisdean  Bertram, 
is  cha  robh  ann  am  fearann  Ghoshein  ach  aite 
bochd  lorn  an  coimeas  ri  Fentonbarns. 

Seirbhiseach  maith 

Ged  nach  faca  mise  Uisdean  Bertram  riamh 
chunnaic  mi  Fentonbarns  iomadh  uair,  agus  bu 
mhaith  leam  rud  no  dha  uime  a  chur  sios  air  an 
duilleig  so  an  earalas  gu'm  bi  e  air  a  leughadh 
le  cuid  de  na  bhiodh  a'  cluinntinn  Mairi 
Bhrunach  'ga  mholadh,  agus  gu'n  toir  mi  orra 
a  chreidsinn  nach  robh  facal  aice  ach  an  tul- 
fhirinn  an  uair  a  bhiodh  i  ag  radh  gu  robh 
dailtean  mora  Fentonbarns  air  an  cumail  cho 
glan  ri  garadh-cail,  gun  uiread  agus  aon  chopag, 
no  aon  fheanntag,  no  aon  luibh  -  f huadain 
annta. 

Ach  m'  an  toisich  mi  air  a'  chuid  sin  bu 
mhaith  leam  a  radh  gu'm  b'e  Uisdean  Bertram 
an  t-oirean  a  bha  anns  an  tuathanachas   ud, 


duine  a  bha  dileas  d'a  mhaighstir,  agus  a  bha 
cho  teann  air  f hein  's  a  bha  e  air  an  luchd-oibre 
a  bha  foidhe.  Cha  chuala  mi  Mairi  Bhrunach 
a'  bruidhinn  mu'n  tuathanach  riamh  ;  cha  b' 
ann  ris-san  ach  ris  an  oirean  a  bha  a  gnothuch, 
ach  ma  bha  Uisdean  Bertram  ainmeil  mar 
oirean  air  feadh  Loudi  gu  leir,  bha  Seoras  Hope, 
an  tuathanach,  ainmeil,  chan  ann  a  mhain  ann 
an  Loudi  ach  air  feadh  Albainn  uile,  agus  ann 
an  Sasunn,  agus  ann  an  Denmark,  is  bhiodh 
tuathanaich  as  na  duthchanna  thall  a'  tighinn 
a  dh'  fhaicinn  an  fhearainn  aige  agus  mar  bha 
e  air  oibreachadh. 

Bha  tri  ginealan  de'n  teaghlach  ud  ann  am 
Fentonbarns,  an  t-athair,  am  mac;  agus  an 
t-ogha,  ach  is  ann  ri  linn  an  ogha,  Seoras  Hope, 
a  bha  Mairi  Bhrunach  anns  an  aite.  Anns  na 
laithean  sin  bha  se  ceud  acair  de  thalamh- 
treabhaidh  ann,  is  bha  Seoras  Hope  a'  paidh- 
eadh  suas  ri  da  mhile  not  mail,  no  tri  puinnd  's 
a  criin  an  t-acair.  Ach  cha  do  ghearain  e 
riamh  air  a  mhal. 

Eanchainn  agus  sgoinn 

An  uair  a  chaidh  a  sheanair  do  Fentonbarns 
cha  robh  ann  ach  aite  bochd,  is  cha  robh  e  a' 
paidheadh  de  mhal  ach  tri  tasdain  an  t-acair, 
ach  b'e  am  bodach  Hope  aon  de  na  daoine 
laidir  a  thug  tuathanachd  na  h-Alba  a  mach  a 
tigh  na  daorsa  agus  a  thug  a  steach  i  do  thir  a' 
gheallaidh.  Dh'  oibrich  e  gu  cruaidh  uile 
laithean  a  bheatha,  is  chuir  e  eanchainn  agus 
sgoinn  'n  a  obair.  Cha  do  shor  gin  de  na  Hopes 
riamh  fearann  a  mhathachadh  le  laimh  f  hialaidh 
na'm  faigheadh  iad  aonta  naoi  bliadhna  deug. 
Bha  iad  corr  agus  ceud  bliadhna  ann  am  Fenton- 
barns uile  gu  leir,  is  bha  e  air  a  radh  gu'n  do 
chuir  iad  a  mach  os  cionn  ceud  mile  not  anns 
an  tiine  sin  a  mhathachadh  an  fhearainn.  Bha 
moran  de'n  talamh  fliuch  an  uair  a  chaidh 
seann  Hope  ann  an  toiseach,  air  a  bhathadh  le 
uisge  agus  air  a  thachdadh  le  salchar  is  luibh- 
eannach  gun  f  heum,  ach  thiormaich  iad  a  h-uile 
acair  dheth  is  chuir  iad  ann  uiread  phioban- 
uisffe  fo'n  talamh  's  ffu'n  rachadh  iad  da  uair  o 
Thigh-Iain-Ghreota  gu  Lunnainn  na'n  robh  iad 
air  an  cur  ceann  ri  ceann.  B'e  an  t-uachdaran 
a  phaidh  air  son  nan  digean  agus  nam  pioban- 
uisge,  ach  bha  an  cosdus  daonnan  air  a  chur  air 
a  mhal.  Bha  an  t-uachdaran  agus  an  tuath- 
anach le  cheile  a'  tilgeadh  an  arafn  air  aghaidh 
nan  uisgeachan,  oir  bha  fhios  aca  nach  robh 
dad  a  chuireadh  iad  anns  an  fhearann  nach 
tigeadh  air  ais  chuca. 

Eadar  an  t-athair  agus  am  mac  agus  an  t- 
ogha  chuir  iad  ochd  mile  tunna  aoil  air  Fenton- 
barns, a  thuilleadh  air  guano.  Bhiodh  Seoras 
Hope  a'  cur  da  fhichead  cairt  mhor  innearach 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE— COR  NA  GAIDHEALTACHD 


3 


agus  dliith  air  leth-tunna  guano  mar  leasachadh 
air  a  h-uile  acair  buntata,  agus  am  bitheantas 
bha  ceithir  fichead  no  ceud  acair  aige  fo  bhun- 
tata,  ach  bha  am  buntata  a'  paidheadh  dha  gu 
maith.  Fhuair  e  uair  agus  uair  leth-cheud  not 
an  t-acair  air  mar  bha  e  a'  fas,  an  ceannaiche  ris 
a'  bhuntata  a  thogail.  - 

Anns  na  laithean  ud,  an  deidh  cogadh  Bhoni- 
part,  bha  pris  mhor  air  cruithneachd  agus  air 
buntata  ;  is  ann  bliadhna  annamh  nach  biodh 
siol  cruithneachd  tri  fichead  tasdan  am  bolla, 
is  bha  a  h-viile  acair  a'  bualadh  seachd 
bollachan  sil. 

Bha  a  h-uile  troigh  de'n  bhaile  fo'n  chrann, 
agus  air  oibreachadh  mar  gu'm  biodh  garadh- 
cail  ;  cinn  agus  taobhan  nan  iomairean  air  an 
treabhadh  gus  mar  bheagan  oirleach  o'nf hence. 
Chan  e  mhain  gu  robh  am  buntata  agus  an 
tiiirneap  air  an  glanadh  gu  ciiramach,  ach 
bhiodh  Mairi  Bhrimach  agus  sgaoth  dc  bhoii-- 
ionnaich  eile  air  an  cur  air  feadh  a'  chruith- 
neachd  agus  an  arbhair,  agus  hoe  ann  an  laimh 
gach  te  dhiubh,  a  chumail  sios  chluaran  no 
cromlus,  no  luibh  air  bith  eile  a  thachradh  orra. 
Anns  an  Fhoghar  bhiodh  sgaoth  Eirionnach  a' 
tighinn  a  Donegal  a  dheanamh  na  buana. 

Ach  ged  a  bha  na  timeannan  maith  do  na 
h-uachdarain  agus  do  na  tuathanaich  aig  an 
robh  sgoinn  is  sgil  cha  robh  iad  maith  do'n 
luchd-oibre.  Cha  robh  aca  ach  tuarasdal  beag  ; 
gheibheadh  Seoras  Hope  treabhaichean  maith, 
cho  maith  agus  nach  'eil  an  leithid  idir  ann  an 
diugh,  air  dusan  tasdan  's  an  t-seachduin,  le 
min  agus  buntata. 

Siol  America 

Ach  fhuair  an  seorsa  tuathanachd  ud  a' 
bhuille-bhais  an  uair  a  rinn  a'  Pharlamaid 
reachd  gu'm  biodh  siol  cruithneachd  air  a 
leigeil  a  steach  do'n  diithaich  saor  gun  chis. 
Tha  e  a'  freagairt  air  muinntir  nam  bailtean- 
mora,  agus  ann  an  aon  doigh  air  an  diithaich 
uile,  siol  agus  biadh  a  bhi  saor,  ach  chan  'eil  sin 
a'  freagairt  cho  maith  air  muinntir  an  f  hearainn, 
uachdarain  agus  tuathanaich  agus  treabhaich- 
ean. An  uair  a  gheibh  thu  an  cruithneachd  as 
fhearr  a  Canada  air  coia;  tasdain  fhichead  am 


bolla,  agus  coirce-mor  a  aite-eigin  eile  air  se 
deug,  CO  an  tuathanach  no  an  croitear  anns  a' 
Ghaidhealtachd  a  leigeas  a  leas  a  bhi  an  diiil 
gu'm  paidh  e  dha  an  talamh  a  thionndadh,  ma 
dh'  fheumas  e  paidheadh  air  a  shon  .''  Chan  e 
peirceall  na  caorach  a  mhain  a  chuir  an  crann 
air  an  fharadh  an  Albainn,  ach  siol  saor  a 
America  agus  faraidhean  saora  aig  na  bataich- 
ean-mora  a  tha  'g  a  thoirt  a  nail. 

Tha  a'  chuid  as  motha  de  Fentonbarns  an 
diugh  fo  fheur,  is  stoc  mor  de  chrodh  bainne 
air.  Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  sin  a'  paidh- 
eadh na's  fhearr  an  diugh  na  phaidheadh  an 
doigh  a  bha  aig  Seoras  Hope  air  a'  bhaile 
oibreachadh,  ach  na'n  robh  esan  agus  a  sheorsa 
beo  an  diugh  bu  chiar  leo  a  bhi  'g  am  faicinn 
fein  a'  bleoghan  cruidh  an  aite  a  bhi  a'  reic  sil, 
agus  a'  frithealadh  do  mhucan  agus  do  chearcan 
agus  do  sheilleanan  an  aite  a  bhi  a'  reamh- 
rachadh  dhamh.  Ach  an  uair  a  gheibheadh 
iad  thairis  air  neonachas  an  fhreasdail  a  chuir 
am  measg  chearcan  agus  sheilleanan  iad  chith- 
eadh  iad  gu  bheil  an  dara  rud  cho  uasal  ris  an 
rud  eile. 

An  uair  a'  ruith  an  aonta  a  bha  aig  Seoras 
Hope  air  Fentonbarns  a  mach  cha  tugadh  an 
t-uachdaran  aonta  iir  dha,  is  cha  mho  a  dh' 
innseadh  e  car  son  nach  tugadh.  Ach  bha 
fhios  aig  an  t-saoghal  car  son  a  b'  fheudar  dha 
Fentonbarns  fhagail  ;  b'e  Liberal  a  bha  ann  an 
Seoras  Hope  is  dh'  fheuch  e  ri  faotainn  a  steach 
do'n  Pharlamaid,  agus  thug  sin  oilbheum  do'n 
uachdaran  a  bha  'n  a  Thory  laidir.  Rinn  an 
rud  moran  bruidhne  ann  an  Albainn  agus  ann 
an  Sasunn  aig  an  am,  is  theab  Tories  eile  agus 
a  chairdean  fein  an  t-seiche  a  thoirt  bharr  an 
uachdarain,  Mghr  Nisbet  Hamilton,  air  son 
gniomh  cho  leanabail  agus  cho  leibideach  a 
dheanamh,  tuathanaclj  ainmeil  a  chur  a  mach 
as  a'  bhaile  a  rinn  e  ainmeil  le  sgil,  agus  anns 
an  robh  e  fein  agus  a  shinnsear  ceud  bliadhna, 
gun  aobhar  air  bith  ach  gu  robh  e  neo- 
eisiomaileach  'n  a  bheachdan.  Rud  narach  ! 
Bha  moran  de  na  Tories  ann  an  Loudi  air  an 
narachadh  cho  mor  's  gu'n  do  thairg  iad  bailtean 
a  bha  aca  ri  shuidheachadh  a  thoirt  dha  agus 
leigeil  leis-  fein  mal  a  dheanamh  dhaibh. 


Cor  na  Gaidhealtachd 

Le  Uilleam  I.  "WfciiuBWN,  M.A.,  LL.D.,  ^Litt) 


fi     hva^/^k^n^^''^^ 


Is  mor  an  t-atharrachadh  a  thainig  air  a' 
Ghaidhealtachd  ri  ar  linn  fhein,  agus  chan 
ann  air  a'  Ghaidhealtachd  a  mhain,  ach  air  gach 
diithaich  eile  feadh  an  t-saoghail  gu  leir. 

Bha  corr  is  ceud  mile  duine  na's  motha 
air  a'  Ghaidhealtachd  ceud  bliadhna  air  ais 
na  a  tha  innte  an  drasda.  An  coimh- 
cheangal  ri  sin  bu  choir  cuimhne  a  chumail  ffun 


robh  moran  na  bu  lugha  de  shluagh  anns  na 
bailtibh  beaga  is  anns  na  bailtibh  mora  na  a  tha 
annta  a  nis.  Mar  eisimpleir  gabhaibh  baile 
Inbhir-Nis  :  anns  a  bhliadhna  1831  cha  robh 
ann  ach  naoi  mile  gu  leth  agus  beagan.  Am 
baile  Pheairt  bha  na's  lugha  na  fichead  mile. 
Tha  a  nis  corr  is  a  dha  uiread  anns  na  bailtibh 
sin  ;  agus  mar  sin  anns  na  bailtibh  eile.     Ceud 


COR  NA  GAIDHEALTACHD 


bliadhna  air  ais  bha  a'  chuid  mhor  de'n  t-sluagh 
a'  fuireach  air  an  diithaich,  agus  cha  b'ann  anns 
na  bailtibh.  Bho'n  am  sin  thainig  car  eile  an 
adhairc  an  daimh  :  tha  na  bailtean  a'  fas  agus 
tha  an  diithaich  a  muigh  orra  a'  meath.  Is 
fheudar  dhuinn  sin  a  thoirt  fa-near  ann  a  bhith 
ag  coimeas  aireamh  an  t-shiaigh  mar  a  tha  iad 
a  nis  ris  mar  a  bha  iad  o  chionn  ceud  bhadhna. 

Caochladh  muladach 

Is  gann  gum  faigh  sibh  fear-ceaird  an  diugh 
a'  fuireach  air  an  diithaich  mar  a  b'abhaist. 
JSla's  aill  leibh  fios  fhaotainn  air  a'  chaochladh 
mhuladach  a  thainig  air  an  diithaich,  chan  'eil 
agaibh  ach  siiil  a  thoirt  air  Seann  Chunntas  na 
h-Alba,  a  chuireadh  a  mach  eadar  1791  agus 
1799 — cunntas  mionaideach  air  gach  sgire  an 
Albainn  :  tha  leabhar  air  f  hichead  dheth  againn. 
Tha  mi  coma  ciod  an  sgire  a  ghabhas  sibh — ^cha 
dean  e  moran  difir  ;  ach  gabhaibh  Sgire  Chille 
Mhoire  air  Machair  Rois  ;  is  ann  oirre  as  fhearr 
a  tha  mi  eolach.  Anns  a'  bhliadhna  1793  bha 
ann  an  sgire  Chille  Mhoire  ceithir  biiithean, 
da  chlachair  dheug,  ceithir  saoir-chuirn,  sia 
saoir-thighe,  ceithir  goibhnean,  deich  greus- 
aichean,  ochd  breabadairean  deug,  deich  taill- 
earan,  agus  fichead  fear  ri  obair  aoil.  An 
diugh  chan  'eil  ach  an  aon  ghobhainn,  agus 
ma  tha  corr  thaillear  no  ghreusaiche  ann,  is 
anns  an  da  bhaile  bheag,  an  Cladach  agus  Baile 
a'  Mhuihnn,  a  gheibhear  iad.  Chan  'eil  an 
corr  ann.  Nach  mor  am  bochdachadh  sin  air 
sgire,  fir-cheaird  a  bhith  a  dhith  air  an  aite  ? 
Tha  f hios  agaibh  f hein  na's  fhearr  na  th'agamsa 
mar  a  tha  cuisean  anns  na  h-eileanan  an  iar — 
a  h-uile  ni  air  an  cuir  a'  mhuinntir  feum  a' 
tighinn  bho  Ghlaschu.  Maith  dh'fhaoidte  an 
uair  a  thubhairt  mi  "  a  h-uile  ni  "  gun  d'thubh- 
airt  mi  cus  ;  ach  cha  ghabh  e  aicheadh  nach 
'eil  na  h-eileanan  an  crochadh  ri  Glaschu  na's 
motha  na  bu  choir  dhoibh  a  bhith. 

Is  trie  a  bha  mi  smuaineachadh  gum  bu 
mhaith  an  ni  cunntas  a  dheanamh  air  an  dara 
laimh  air  gach  bathar  agus  air  gach  airgiod  gun 
chosnadh  a  tha  tighinn  a  steach  do  eilean 
araidh,  agus  air  an  laimh  eile  cunntas  air  gach 
bathar  is  gach  ni  eile  a  tha  dol  a  mach  bho'n 
eilean.  Chan  e  nach  biodh  a  leithid  so  de 
chunntas  ceart  cho  iomchuidh  air  diithaich 
de'n  mhoirthir,  ach  gum  biodh  e  moran  na 
b'fhasa  a  dheanamh  a  thaobh  eilein  na  a  thaobh 
cearna  de'n  mhoirthir.  Chitheamaid  mar  sin 
•mar  a  tha  cothrom  a'  bhathair  a'  seasamh 
eadar  na  nithean  a  tha  tighinn  a  steach  agus 
na  nithean  a  tha  dol  a  mach. 

Chuala  mi  naidheachd  bho  dhuine  a  tha 
mion-eolach  air  na  h-eileanan  mu  thuath  air 
baile  beag  no  coimhearsnachd  bhig  araidh 
anns  a  bheil  :^a  h-uiread  de  airgiod  gun  chos- 
nadh a'  tighinn  a  steach  do'n  luchd-comhnuidh 
gun  do  leig  iad  dMubh,  cha  mhor  gu  tur,  am 


fearann  aca  Mteachadh.  Biodh  sin  mar  a 
bhitheas  e,  chan  'eil  teagamh  nach  b'fheairrde 
an  tuath  a  bhith  tighinn  beo  air  obair  agus  air 
toradh  an  lamhan  f hein  agus  am  fearainn  f hein 
seach  a  bhith  ag  ceannach  na  h-uiread  bho'n  fl 
taobh  deas.  ~ 

Comunn  feumail 
The  aon  Chomunn  ann  a  tha  air  leth 
feumail  do  mhuinntir  na  Gaidhealtachd  agus 
gu  h-araidh  do  na  h-Eileanan,  agus  is  e 
sin  Comunn  nan  Ealaidhean  agus  nan  Ceard 
Diithchasach  Gaidhealach.  Is  e  rim  a'  Chom- 
uinn  sin  gach  misneach  "as  urrainn  dhoibh 
a  thoirt  do  na  mnathan  is  na  nigheanan,  do  na 
fir  is  na  gillean,  gu  bhith  ris  na  seann  cheaird 
a  b'abhaist  a  bhith  cho  cumanta,  mar  a  tha 
sniomh  agus  fighe  agus  breabadaireachd,  agus 
an  leithid  sin,  mar  a  thubhairt  am  Bard  Leo- 
dhasach,  Mm-chadh  Mac  Leoid  : 

Air    feasgar    a'    gheamhraidli    theid    tionndadh    gu 

gniomh, 
Ri  toirt  eolais  do  chloinn  bidh  gach  seann  diiine  liath  ; 
Gach  iasgair  le  shnathaid  ag  caradh  a  lion, 
Gach  nighean  ri  cardadh  's  a  mathair  ri  sniomh. 

Chan  ann  idir  air  son  buannachd  dhoibh  fhein 
a  tha  an  Comunn  so  ri  obair,  ach  air  son  leas 
an  luchd-oibre.  Tha  ceann-bhtith  aca  an  Dun- 
eideann  agus  biiithean  an  aitean  eile.  Anns 
a'  bhliadhna  1919  phaigh  iad  a  mach  do'n 
luchd-oibre  £12,000,  agus  mar  so  anns  na  bliadh- 
naibh  'n  a  deidh  : 


1929 
1930 
1931 
1932 

1929-1932 


£19,000 
12,938 
12,876 
13,494 

£51,308 


Mu  na  h-aireamhan  sin  faodaidh  sinn  a  radh 
mar  a  thubhairt  fear  eile  mu  dhaimh  Fhir 
Dhun-tuilm,  "  bruidhnidh  iad  air  an  son  fhein." 
Dh'fhaodadh,  maith  dh'fhaoidte,  eisimpleir  a' 
Chomuinn  so  a  leantainn  ann  an  doighean  eile. 

Cor  nan  iasgairean 

Tha  sinn  ag  cluinntinn  gu  leoir  mu'n  iasgach 
air  an  Taobh  Siar,  mar  a  tha  e  air  a  mhilleadh 
agus  air  a  sgrios  le  innleachdan  agus  le  iasgach 
mi-laghail  nan  iasgairean  coimheach  a  tha 
tighinn  as  gach  aird  gu  spuilleadh  nan  iasg 
beaga  agus  mora,  agus  a  tha  toirt  am  beoshlainte 
a  beul  muinntir  Leodhais  agus  Bharraidh,  an 
Eilein  Sgitheanaich  agus  nan  Eilean  air  fad. 
Tha  an  obair  sin  'n  a  naire  agus  'n  a  masladh 
do'n  diithaich  mhoir  chumhachdaich  so,  agus 
bu  choir  stad  a  chur  oirre  gun  dail.  Ri  linn  a' 
Chogaidh  Mhoir  bha  moladh  gu  leoir  air  iasg- 
airean nan  Eilean  :  c6  a  bh'ann  ach  iad  ! 
Daoine  treuna,  tapaidh,  seolta  !  An  diugh 
is  gann  gu  bheil  guth  orra  no  suim  dhiubh. 


COR  NA  GAIDHEALTACHD 


Tha  sinn  uile,  ar  leam,  buidheach  de'n  Chora- 
unn  a  chaidh  a  chur  air  bonn  gu  bhith  a'  tagairt 
ciiis  nan  Eileanach,  agus  tha  sinn  ag  guidhe 
gun  soirbhich  leo. 

Na  tuathanaich 

Ma's  olc  cor  an  iasgair,  chan  fhearr  cor  an 
tuathanaich,  biodh  an  tuathanas  beag  no  biodh 
e  mor.  Chan  urrainn  do'n  tuathanach  coirce 
a  chur  agus  a  bhuain  agus  a  reic  air  tri  tasdain 
deug  gach  cairteal.  Cha  mhotha  as  urrainn 
dha  buntata  a  chur  agus  a  ghlanadh  agus  a 
thogail  air  da  nota,  no  na's  lugha,  gach  tunna. 
Mun  d'thainig  na  carbadan  ola  bha  iarrtas  air 
feur  agus  air  coirce  gu  biadh  do  na  h-eich  :  cha 
chuir  na  carbadan  feum  air  feur  no  air  coirce  : 
chan  'eil  iarrtas  orra  mar  a  b'abhaist.  Tha 
pris  a'  chruidh  agus  nan  caorach  agus  nan  uan 
air  dol  an  lughaid.  Tha  tuarasdal  an  treabh- 
aiche  agus  nan  gillean  air  fas  na's  niotha  na 
bha  e  riamh  roimhe.  Chan  iongnadh  ged  a 
chluinnear  sgread  nan  tuathanach  :  is  e  an 
t-iongnadh  mar  a  tha  iad  a'  tighinn  beo  idir, 
iad  f hein  agus  an  teaghlaichean.  Bha  mi  fhein 
eolach  air  tuathanas  bho  m'oige  :  "  dheanainn 
cur  is  dheanainn  buain,  dheanainn  treabhadh 
ri  la  fuar  "  ;  agus  mar  sin  is  mor  mo  chomh- 
fhaireachdainn  ris  na  tuathanaich  aig  an  am  so. 
Tha  caraid  dhomh  'na  thuathanach  an  Siorra- 
machd  Pheairt,  duine  cho  eolach  teoma  sgairteil 
's  a  tha  r'a  fhaotainn.  B'abhaist  dha  treabh- 
aiche  is  gille  bhith  aige  air  muinntearas  ; 
chan  'eil  aige  a  nis  ach  an  aon  ghille  6g.  Ni 
e  eirigh  gach  maduinn  mu  choig  uairean,  agus 
chan  'eil  a  obair  criochnaichte  gus  am  bleoghain 
e  an  crodh  mu  h-ochd  uairean  a  dh'oidhche. 
Is  beag  tha  dh'fhios  aig  muinntir  nam  bailtean 
mora  air  a  leithid  sin  de  obair-latha.  *  Chan  'eil 
dith  comhairle  bho  mhuinntir  nach  do  chuir 
crann  riamh  an  talamh  is  do  nach  aithne  caora 
seach  reithe.  Is  mor  a  b'fheairrde  cuid  de'n 
mhuinntir  sin  a  bhith  mios  no  raith  le  mo  charaid 
no  le  tuathanach  teoma  eile.  Air  mo  shon 
fhein  dheth,  cha  ghabhainn  orm  comhairle  a 
thoirt  mu'n  chuis  idir.  Is  e  a  theii'inn  gum  bu 
choir  eisdeachd  gu  maith  ri  guth  nan  tuathan- 
ach, agus  an  cobhair  air  gach  doigh  as  urrainn 
dhuinn,  oir  ma  theid  as  do'n  tuath  air  chor  nach 
urrainn  dhoibh  am  beoshlainte  a  thoirt  as  an 
talamh,  chan  fhada  gus  an  teid  as  do  na  bailtibh 
mora. 

Naimhdean  an  tuathanaich 

Tha  ni  no  dha  a  tha  ag  cur  an  aghaidh  tuath 
na  Gaidhealtachd  gu  h-ax'aidh,  a  bharr  air  na 
tha  ag  cur  air  tuath  Albann  gu  h-iomlan.  Anns 
a'  cheud  aite,  tha  moran  diiibh  astar  fada  air 
falbhbho'nbhaile-mhargaidh  agus  bho'nrathad- 
iaruinn.  An  Siorramachd  Pheairt  tha  ceann 
shuas  Ghleann  Lioi^hunn  mu  dha  fhichead  mile 
bho   Obar-Pheallaidh.     Tha   astar   mor   eadar 


ceann  shuas  Shrath  Eireann  an  Siorramachd 
Inbhir-Nis  agus  an  rathad-iaruinn  aig  Tom- 
aitionn.  Tha  fior-bhraighe  Shrath  Chonuinn 
an  Ros  corr  is  deich  mile  air  fhichead  bho  Inbhir- 
pheofharain.  Agus  mar  sin  do  iomadh  srath 
is  gleann  feadh  na  Gaidhealtachd  bho  Chataibh 
mu  thuath  gu  Peairt  mu  dheas.  Is  mor  an 
t-anacothrom  sin  do'n  tuath,  na  tha  fhathast 
a  lathair  dhiubh.  Nam  biodh  gach  ni  mar  bu 
choir,  dh'fhaoidte  doighean  iomchair  a  chur 
air  bonn  a  ghiulan  toradh  na  tire  an  asgaidh  do'n 
bhaile-mhargaidh  no  do'n  rathad-iaruinn. 

Rud  eile,  na  coineanan  no  na  rabaidean,  a 
tha  air  fas  gu  bhith  'n  am  plaigh  an  iomadh 
aite,  ag  ithe  suas  nan  sneap  no  nan  "  tiirnaip," 
agus  gach  ni  eile  as  urrainn  dhoibh  ithe.  Is 
aithne  dhomh  oighreachd  an  Ros  far  nach 
b'urrainn  an  tuathanach  arbhar  no  sneap  a 
thoirt  gu  ire  leis  na  dh'itheadh  agus  na  sgriosadh 
na  coineanan.  Tha  an  oighreachd  sin  a  nis  fo 
uachdaran  eile,  agus  tha  gach  ni  gu  maith  : 
shiubhail  na  coineanan  ;  chaidh  cur  as  doibh. 
An  iomadh  aite  tha  na  feidh  a'  tighinn  a  nuas 
air  an  tuathanach  anns  a'  gheamhradh  agus 
as  t-earrach  agus  a'  toirt  an  cuid  fhein  as.  Sin 
agaibh  da  mhallachd  a  thainig  an  lorg  an 
t-sealgair. 

Frithean  nam  fiadh 

Tha  moran  na's  motha  na  bu  choir  de'n 
Taobh  Tuath  fo  na  feidh.  Their  cuid  le  snodha 
gaire,  ciamar  dh'fhaodas  daoine  tighinn  beo 
ann  an  aitean  cho  ard,  creagach,  iomallach,  ri 
srathan  is  ri  gleanntan  na  Gaidhealtachd  ? 
Tha  glinn  agus  glinn  ann,  agus  tha  srathan 
agus  srathan  ann.  An  siorramachdan  Rois 
agus  Chataibh  is  gann  gum  faighear  srath  no 
gleann  a  tha  moran  na's  motha  na  ceithir  cheud 
troigh  OS  cionn  na  mara,  no  eadar  sin  agus  coig 
ceud  troigh.  Tha  na  glinn  is  na  srathan  sin 
boidheach  feurach  ;  tha  cuid  diiibh  a  tha  an 
teis-meadhoin  na  frithe,  agus  am  mios  mea- 
dhonach  an  fhoghair  ghabhadh  am  feur  a 
ghearradh  le  speal  no  le  inneal-gearraidh  eile. 
Rach  thusa  agus  gabh .  cuairt  mu  bhraighe 
Shrath  Chonuinn  no  mu  bhraighe  Shrath 
Charrann  an  sgire  Chinn  Chardain,  far  an  robh 
sluagh  mor  a'  fuireach  roimhe,  agus  chi  thu 
le  do  shiiilean  mar  a  tha  a'  chuis. 

B'aithne  dhomh  daoine  a  rugadh  an  Gleann 
Cailbhidh,  aiff  brais'he  Shrath  Charrann,  far 
nach  'eil  duine  an  diugh  ag  gabhail  comhnuidh, 
daoine  gasda,  eireachdail,  tapaidh.  Bha  fear  an 
Gleann  Cailbhidh  d'am  b'ainm  Alasdair  Caim- 
beul,  no  Ailidh  lomhaireach  mar  a  theirte  ris  ; 
chaochail  e  anns  a'  bhliadhna  1816,  aig  aois 
seachd  bliadhna  deug  air  a'  cheud.  Bliadhna 
no  dha  mun  do  chaochail  e  chaidh  e  do'n  sgoil 
anns  a'  ghleann,  ach  dh'fhailnich  a  fhradharc 
air.  Air  a'  bhliadhna  cheudna  choisich  e  da 
rahile  dheug  sios  gu  Feill  Chinn  Chardain^ 


COR  NA  GAIDHEALTACHD 


an  Fheill  Eiteachain — agus  an  sin  rinn  e  da 
ruidhle  dannsaidh.  .  Chithear  eachdraidh  an 
laoich  so  air  a  cur  sios  am  paipear-naidheachd 
Inbhir-Nis  (Inverness  Courier) — ■' '  The  Northern 
Highlands  in  the  Nineteenth  Century  "  ;  James 
Barron  ;  Vol.  I.  Tha  sliochd  Ailidh  lomhairich 
ann  f hathast,  agus  iad  oho  cruadalach,  cha  mhor, 
ris  fhein  ;    'se  na  h-Iomhairich  theirear  i-iutha. 

Srath  is  monadh 

Ach  tha  aon  ni  ann  as  coir  a  chumail  air 
chuimhne.  Ma  chuirear  duine  sios  air  criomaig 
fhearainn  air  iosal  an  t-sratha  no  air  iosal  a' 
ghlinne,  agus  gun  chomas  a'  mhonaidh  aige, 
chan  'eil  an  sin  ach  a'  bhochdainn.  Air  an 
laimh  eile,  ma  bhios  comas  a'  mhonaidh  aige 
suas  gu  faire,  chan  'eil  moran  eagail  nach  soir- 
bhich  leis  agus  nach  dean  e  an  gnothuch  gu 
maith.  Bidh  crodh  is  caoraich  aige  nach  biodh 
aige  nam  biodh  e  air  a'  chriomaig  fhearainn 
aitichte  a  mhain.  A  rithist  bhiodh  an  tuath 
moran  na  b'fhearr  dheth  nam  biodh  ionaltradh 
coitchionn  aca,  agus  ciobair  chaorach  aca 
dhoibh  fhein.  B'aithne  dhomh  srath  an  siorr- 
amachd  Rois  anns  an  robh  seachdnar  no 
ochdnar  de  thuathanaich  bheaga.  Bha  iosal 
an  t-sratha  air  aiteachadh,  paidhir  each  aig 
gach  fear,  na  caoraich  air  a'  mhonadh  agus 
ciobair  ag  coimhead  orra,  agus  an  crodh  air 
an  iosal  no  air  bun  a'  mhonaidh.  Bha  fear 
dhiiibh  air  an  ceann  ris  an  earbte  reic  is  ceann- 
ach,  an  deidh  dhoibh  comhairle  a  chur  ri  cheile. 
Mur  robh  an  tuath  sin  beairteach,  is  fada  a 
ghabh  iad  bho  bhith  bochd  ;  b'e  an  sealladh 
taitneach  bhith  'gam  faicinn  air  Di-domhnaich 
a'  dol  'n  an  carbadan  aon  eich  seachd  mile  gu 
eaglais  Roscuibhnidh.  Chaill  iad  am  monadh  ; 
thainig  a'  bhochdainn,  agus  b'eiginn  doibh  an 
t-aite  fhagail.  Tha  sluagh  air  an  t-srath  'n  an 
aite,  ach  tha  iad  sin  'n  an  coigrich  dhomhsa. 

An  Srath  Nabhair 

Chuala  mi  gur  ann  air  an  aon  rian  chaidh 
sluagh  a  shuidheacha^h  as  iir  an  Srath  Nabhair 
an  taobh  tuath  Chataibh,  agus  am  fios  mu  dheir- 
eadh  fhuair  mi  orra  bha  iad  a'  soirbheachadh 
gu  maith.  Chan  'eil  mise  'nam  fhaidh,  agus 
cha  b'fhaidh  m'athair  ach  gobhainn,  ach  a 
dh'aindeoin  sin  agus  'na  dheidh  uile,  ghabhainn 
orm  a  radh  gum  faodadh  earrann  mhaith  de'n 
Ghaidhealtachd  a  bhith  air  a  h-aiteachadh  as 
iir  air  an  doigh  a  dh'ainmich  mi.  Nach  b'fhearr 
an  oidheii'p  a  thoirt  sluagh  a  shuidheachadh 
mar  sin,  na  am  mealladh  thar  muir  gu  criochan 
aineoil,  far  nach  'eil  iarraidh  orra,  agus  as  an 
eiginn  doibh  tilleadh  air  an  ais,  mar  a  tha  fhios 
againn  gun  do  thill  raoran  cheana  ? 

Ach  rinn  mi  diochuimhne.  Nan  rachadh  a 
leithid  sin  de  obair  air  adhart,  tuath  a  chur  air 
na  srathan  is  air  na  glinn,  agus  crodh  is  caoraich 


a  chur  air  a'  mhonadh,  ciod  a  thachradh  do  sheal- 
gair  an  fheidh  ?  A  dh'innseadh  na  firinne, 
tha  mi  ceart  coma  ciamar  a  thachras  dha.  Is 
f hearr  gu  mor  daoine  na  feidh,  agus  ma  theid  na 
cisean  an  lughaid  mar  a  theid  mal  nam  frith  an 
lughaid,  nach  'eil  gu  leoir  de  airgiod  anns  an 
diithaich  bheairtich  so  gus  an  easbhuidh  sin  a 
leasachadh  ?  Ach  an  deidh  a  h-uile  car,  ar 
learn  nach  biodh  an  easbhuidh  cho  mor  agus 
a  shaoileadh  neach  ;  bhiodh  gu  leoir  air  fhagail 
de  choireachan  agus  de  aitean  fiadhaich  arda 
far  am  faigheadh  an  sealgair  a  mhiann,  mar 
a  rinn  e  ri  linn  Dhonnchaidh  Bhain. 

Na  sgoilean  beaga 

Cha  bu  mhaith  learn  sgios  a  chur  oirbh,  agus 
cha  chan  mi  moran  tuillidh,  ach  tha  aon  ni  bu 
mhaith  learn  a  thoirt  fo  bhur  n-aire,  agus  is  e 
sin  am  fasan  iir  thatar  ag  cleachdadh  feadh  na 
diithcha,  agus  gu  h-araidh  feadh  na  Gaidh- 
ealtachd,  ag  comh-chruinneachadh  na  cloinne 
bho  aois  da  bhliadhna  dheug,  no  mar  sin,  bho 
an  dachaidhean  gus  an  an  aon  sgoil  ann  am 
baile  air  choireigin,  gu  bhith  air  an  ionnsachadh 
anns  a'  bhaile.  B'abhaist  do  na  sgoilean  beaga 
deagh  ionnsachadh  a  thoirt  do'n  chloinn  gun 
ghluasad  bho  an  dachaidh.  Bhiodh  a'  chlann 
a'  faicinn  na  bha  dol  air  adhart  aig  a'  bhaile 
agus  air  an  fhearann,  agus  mar  sin  bha  iad  ag 
ionnsachadh  nithean  nach  'eil  air  an  teagasg 
ann  an  sgoil  air  bith.  Bho  chionn  aireamh 
bhliadhnaichean  rinn  Fear-rannsachaidh  nan 
sgoil  anns  an  Taobh  Tuath  iomradh  air  an  deagh 
obair  a  bha  na  sgoilean  beaga  a'  deanamh,  agus 
a  bharr  air  gach  ni  eile  a  sgriobh  e  thubhairt 
e  so  :  gum  b'ann  an  sgoil  bhig  an  Gaidhealtachd 
Rois  a  thachair  e  air  an  sgoileir  Greugais  a 
b'fhearr  ^^choinnich  e  riamh  ann  an  sgoil. 

Bha  uaill  aig  muinntir  an  aite  as  an  sgoil.  A 
nis  chan  f  hiach  an  sgoil  bheag.  Tha  inntinnean 
na  cloinne  air  an  togail  bho'n  aite  anns  an 
d'rugadh  iad  :  chan  fhiii  ach  an  aghaidh  a  chur 
air  a'  bhaile  mhor,  agus  mar  sin  tha  an  t-aite 
a  rithist  air  a  bhochdachadh.  Leis  gach  eolas 
a  tha  na  maighistirean  sgoile  is  na  bainmhaighis- 
tirean  sgoile  a'  faotainn  an  diugh,  is  cinnteach 
gu  bheil  iad  comasach  air  teagasg  a  thoirt  do 
chloinn  a  tha  seachad  air  da  bhliadhna  dheug 
a  dh'aois.  Chuala  mi  gu  bheil  iad  air  ti  clann 
an  Eilein  Sgitheanaich  a  thoirt  a  steach,  a 
h-uile  balach  is  nighean  ditibh,  gu  bhith  air 
an  teagasg  am  Port-righeadh.  Tha  mi  an 
dochas  nach  'eil  an  naidheachd  so  fior  ;  ach 
nan  tachradh  a  leithid,  an  saoil  sibhse  gum  biodh 
e  chum  maith  na  cloinne,  no  idir  chum  maith 
an  Eilein  ? 

Dith  a'  phosaidh 

Tha  aon  fhacal  fhathast  agam  ri  radh,  agus 
an  sin  ni  mi  sgur.  Rinn  mi  beagan  iomraidh 
air  mar  a  tha  sluagh  na  Gaidhealtachd  a'  dol 


COR  NA  GAIDHEALTACHD— AIG  AN  UINNEIG 


an  lughaid,  agus  dh'ainmich  mi  cuid  de  na 
h-aobharan  as  coireach  ri  sin.  Tha  aon  aobhar 
gu  h-araidh  nach  d'ainmich  mi,  agus  is  e  sin 
mar  a  tha  am  posadh  a'  dol  a  cleachdadh.  Cha 
mhor  cearn  de'n  Ghaidhealtachd  amis  nach 
faicear  so.  Thig  am  bas  air  an  athair  no  air 
a'  mhathair,  agus  fanaidh  mac,  no  mar  is  trice, 
mac  is  nighean,  a  chumail  nithean  air  doigh 
aig  a'  bhaile  ;  theid  an  aimsir  seachad  mar 
sin,  agus  is  e  as  deireadh  do'n  chiiis  gun  leig 
iad  am  posadh  seachad  orra. 

Tha  aon  chearn  beag  anns  an  sgire  agam 
fhein,  agus  ri  mo  chuimhne  bha  corr  is  da 
fhichead  a'  fuireach  ann  ;  air  an  la  an  diugh 
chan  'eil  ann  ach  aon  bhoirionnach  agus 
cu.  Is  e  bu  choireach,  dith  a'  phosaidh. 
Cha  b'abhaist  a  leithid  sin  a  thachairt  ri 
linn  ar  n-aithrichean  ;  tha  e  air  fas  ro- 
chumanta    bho    chionn     lethcheud    bliadhna. 


Chunnaic  mi  iomradh  air  baile  tuath  air  taobh 
siar  Rois  anns  nach  do  thachair  posadh  fad 
deich  bhadhna  air  fhichead.  Tha  e  anabarrach 
duilich  r'a  thuigsinn  ciod  e  as  aobhar  dha  so. 
Chan  'eil  mise  ag  radh  nach  'eil  cuid  mhaith 
dheth  r'a  chur  as  leth  na  bochdainne  ;  ach 
chan  e  sin  viile  a  tha  'g  a  aobharachadh.  Tha 
an  dearbh  ni  a'  tachairt  trie  gu  leoir  an  teagh- 
laichean  aig  a  bheil  airgiod  is  spreidh  is  gach 
goireas  eile.  Fagaidh  mi  a'  cheist  so  agaibh 
I'i  fuasgladh,  leis  a'  bheannachd  : 

Slan  do  d'mhnaoi  ghil,  slan  do  d'mhacaibh, 

Slan  do  d'theach  o'm  binne  ceol ; 
Slan  do  d'thrachtaibh  geala  gainmhich, 

Slan  do  d'bheanntaibh  o'm  bi  ceo. 

(Bha  an  seanchas  so  air  a  dkeanamh  ri  Comunn 
Gaidhlig  Ghlaschu,  is  tha  e  a  nis  air  a  chur  air 
na  diiilleagan  so  le  cead  a'  Chomuinn  sin  agus 
cead  an  Ard-Ollaimh  a  rinn  e.) 


Aig  an  Uinneig 


An  cogadh 

FAODAIDH  sinn  a  radh  mar  thubhairt 
lob,  "  An  ni  x'oimh  an  robh  eagal  mor  oi-m, 
thachair  e  dhomh  ;  agus  an  ni  roimh  an  robh 
mi  fo  uamhann,  thainig  e  orm." 

Bho  chionn  bliadhna  agus  an  corr  bha  eagal 
air  an  dtithaich  uile  gu'm  faodadh  so  tighinn, 
ach  fad  na  h-iiine  bha  dochas  beag  againn  nach 
tigeadh  e.  Bha  an  dochas  sin  air  a  steidh- 
eachadh  air  da  ni,  (1)  air  faidhidinn  agus  reusont- 
achd  Mghr  Chamberlain  agus  luchd-comhairle 
eile  an  Righ,  agus  (2)  air  dochas  nach  cuireadh 
Hitler  an  cunnart  a'  bhuannachd  mhor  a  thup-  e 


air 
urrainn 


son    buannachd 
dha    a    bhi 


do'n  Ghearmailt  cheana 
bheag  eile  as  nach  b' 
cinnteach. 

Ach  mur  bheil  thu  a'  deanamh  gnothuich 
ri  duine  reusonta  ciod  is  urrainn  dhuit  a 
dheanamh  ? 

Thug  Hitler  dhuinne  agus  do'n  Fhraing  ar 
roghainn,  "  An  dara  cuid  thoiribh  mo  thoil 
fhein  dhomh,  air  neo  gabhaidh  mi  i  a  dh'  ain- 
deoin  'ur  cridhe." 

Cha  bhiodh  e  ceart  dhuinn  a  shaoilsinn  gu 
bheil  Hitler  gun  tur,  ciod  air  bith  eile  a  tha  'g 
a  dhith,  ach  cha  deachaidh  duine  no  daoine  anns 
a  bheil  tiir  a  chogadh  riamh  mur  biodh  diiil  aca 
gur  ann  aca  a  bhiodh  a'  bhuaidh. 

Bu  choir  dhuinne,  ma  ta,  aig  toiseach  gnoth- 
uich, sin  a  chumail  'n  ar  n-aire,  gu  bheil  an 
namhaid  laidir  agus  diorrasach,  agus  an  diiil 
gu'm  faigh  iad  a'  bhuaidh.  Tha  e  feumail  so 
a  radh  a  chionn  gu  bheil  moran  dhaoine  a' 
bruidhinn  mar  nach  robh  na  Gearmailtich  ag 
iarraidh  a'  chogaidh,  agus  gu'm  fas  iad  sgith 
dheth  gu  goirid,  agus  nach  'eil  againn  ach  gu 
leor  de  dhuilleag:an  a  chur  thuca  le  soithichean- 


adhair  agus  gu'm  faic  iad  gu  bheil  Hitler  'g  am 
mealladh,  agus  gu'ii  cuir  iad  as  dha.  Goraiche 
agus  faoineas  cho  mor  's  a  bha  riamh  ann  ! 
Chan  'eil  teagamh  nach  'eil  iomadh  duine  anns 
a'  Ghearmailt  nach  'eil  a'  creidsinn  ann  an 
teagasg  Hitler  agus  leis  nach  toil  e,  direach 
mar  tha  iomadh.  duine  anns  an  rioghachd  so 
nach  'eil  a'  creidsinn  ann  am  beachdan  Mhghr 
Chamberlain,  ach  air  a  shon  sin  tha  a'  Ghear- 
mailt gu  h-aonsgeulach  ri  taobh  agus  air  ciil 
Hitler  anns  a'  chilis  so,  agus  na's  naimhdeile  do 
Bhreatunn  na  bha  i  ann  an  1914-  An  rud  a 
tha  dhith  air  Hitler,  sin  an  rud  a  tha  dhith  air 
a  h-uile  mac  mathar  anns  a'  Ghearmailt,  aich- 
eamhail  a  thoirt  a  mach  air  son  a'  chogaidh  a 
chain  iad,  cumhnant-sithe  Versailles  a  shracadh 
'n  a  chriomagan  agus  a  chur  fo'n  casaii  le  tamailt 
fhollaisich,  agus  sronan  na  feadhnach  a  rinn 
an  ciniihnant  a  shuathadh  ris  an  talamh  am 
fianuis  an  t-saoghail.  Sin  a  tha  dhith  air  Hitler 
agus  air  a'  Ghearmailt,  agus  is  e  sin  fior  aobhar 
a'  chogaidh  agus  chan  e  na  h-aobharan  eile  agus 
na  lethsgeulan  a  tha  iad  a'  toirt  seachad. 

Duine  sitheil? 

Ma  chreidear  e  fhein  chan  'eil  duine  eile  anns 
an  Roinn-Eorpa  cho  sitheil  ri  Hitler,  no  duine 
as  fhearr  a  sheasas  ri  fhacal.  Mu  Bhealltainn 
ann  an  1935  thubhairt  e  ann  an  oraid  mhor  a 
liubhair  e,  "  Rinn  a'  Ghearmailt  cimihnant  ri 
Poland  nach  teid  iad  a  chogadh  ri  cheile,  is 
cumaidh  sinne  an  ciimhnant  sin,  oir  chan  'eil 
dad  a  dhith  oirnn  ach  sith  agus  deagh  choimh- 
earsnachd." 

Anns  a'  Mhart  an  1936  thubhairt  e  ann  an 
oraid  eile,  "  Co  air  bith  a  bhriseas  sith  na  h- 
Eorpa  cha  bhris  a'  Ghearmailt  i  ;   an  diugh  tha 


8 


AIG  AN  UlNNEIG— AN  TEAMPULL 


an  stri  a  rinn  mi  o  chionn  thri  bliadhna  air  son 
ceartas  f  haotainn  do  'n  Ghearmailt  criochnaichte , 
is  chan  'eil  an  corr  fearainn  a  dhith  oirnn." 

Ann  an  September  1938,  an  deidh  na  coinn- 
imh  a  bha  aige  fhein  agus  aig  Chamberlain 
agus  Mussolini  ann  am  Munich  thubhairt  e, 
"  Tha  mi  an  comain  Mghr  Chamberlain  air  son 
na  h-oidhirp  a  rinn  e,  is  faodaidh  mi  a  radh  ris 
nach  'eil  rud  eile  anns  an  t-sealladh  aig  a' 
Ghearmailt  ach  sith  a  mhain.  Thug  mi  m' 
fhacal  dha  cuideachd,  is  tha  mi  a  nis  'ga  radh  a 
ris,  aon  uair  's  gu'm  bi  a'  cheist  so  mu  Czecho- 
slovakia as  an  rathad  agus  air  a  socruchadh, 
nach  eil  tuilleadh  fearainn  a  dhith  oirnn  anns 
an  Roinn-Eorpa." 

Aig  a  bhliadhn'  iiir  am  bliadhna  thubhairt  e, 
"  Is  e  iadsan  a  mhain  a  tha  a'  fudarachadh 
Bhreatuinn  gu  cogadh  a  tha  an  dtiil  gu'm  bi 
cogadh  ann  ;  tha  mise  an  diiil  gu'm  bi  sith 
againn  iiine  mhor." 

Ciod  a  their  thu  ri  duine  mar  sin  ;  duine  a 
tha  feuchainn  ri  thoirt  air  an  t-saoghal  a  chreid- 
sinn  nach  bu  bheo  a  beo  do'n  Ghearmailt  ri 
taobh  Pholand,  agus  leasg  's  gu'n  robh  e  leatha 
dol  a  chogadh,  gu'm  b'  fheudar  dhi  i  fhein  a 
dhion  ?  Ann  am  beagan  iiine,  an  uair  a  chuireas. 
e  a  chas  air  amhaich  Pholand,  cluinnidh  tu  e  ag 
radh  gu'n  d'  fhuair  e  a  nis  na  bha  dhith  air,  ach 
gu  bheil  a'  Ghearmailt  cho  uasal  's  nach  'eil  a 
dhith  oirre  ach  pairt  de  Pholand,  agus  nach 
e  coire  na  Gearmailte  a  bhios  ann  mur  deanar 
sith  ach  coire  Bhreatuinn  a  tha  a'  deanamh 
aimhreit  anns  an  t-saoghal  gun  sgur. 

O  chionn  bliadhna  no  dha  bha  moran  dhaoine 
anns  an  duthaich  so  an  dull  gu  robh  Chamber- 
lain car  bog  a  sheasamh  an  aghaidh  Hitler,  ach 
a  nis  tha  Hitler  ag  radh  ris  an  t-saoghal  gu 
bheil  Chamberlain  'n  a  dhuine  cho  fuilteach 
agus  cho  suarrach  mu  bheatha  dhaoine  's  nach 
b'  urrainn  dhasan  sith  na  h-Eorpa  a  chumail, 
ged  b'  e  sin  an  diirachd  a  bu  mho  a  bha  'n  a 
chridhe.  Duine  air  bith  a  dh'  iarras  ort  sin  a 
chreidsinn  tha  e  ag  iarraidh  ort  seasamh  air 
do  cheann. 

Mesopotamia  an  doigh  eile 

Mur  biodh  e  air  innseadh  anns  a'  phaipear- 
naidheachd  gur  e  am  Moi'air  Sankey  a  liubhair 
an  oraid  so  ann  an  Tiffh  nam  Morairean  an  la 


a  bha  iad  a'  bruidhinn  mu'n  chunnart  anns  an 
robh  Poland  theirinn  gu  robh  mi  a'  cluinntinn 
guth  mo  sheana  charaid,  an  t-Urramach 
Boanerges  Pom-Pom,  D.D.,  agus  e  a'  bruidhinn 
ri  mnathan  Chill-mo-Cheallaig. 

"  Is  e  a  tha  dhith  air  an  t-saoghal,"  ars'  esan, 
"  gu'm  biodh  ceistean  de  'n  t-seorsa  so  air  an 
socruchadh  ann  an  sith  agus  chan  ann  le  neart 
airm,  agus  is  e  a'  cheud  cheum  thuige  sin,  gu'n 
coinnicheadh  na  rioghachdan  mora  ri  cheile, 
chan  ann  a  thoirt  breith  air  a'  ghnot^uch,  an 
toiseach  co  dhiu,  ach  a  dh'  fhaotainn  a  ma'h  na 
firinn  mu  gach  ciiis  a  tha  a'  tighinn  ea'' ''  n. 
Na'n  robh  so  air  a  dheanamh,  tha  de' 
agam  chan  ann  a  mhain  'n  ar  rioghachd  x-jJi;  ^±i 
ann  an  rioghachdan  eile  's  gu  bheil  mi  cinnt  ach 
gu'n  tugadh  iad  breith  chothromach,  na'n  robh 
an  fhirinn  uile  air  am  beulaibh.  Gun  cheartas 
cha  bhi  sith  mhaireannach  againn  gu  brath. 
An  uair  a^tha  an  fhirinn  uile  air  ar  beulaibh, 
ma  ta,  cuireamaid  rud  air  bith  a  tha  a'  tighinn 
eadar  rioghachdan  mu  choinneamh  luchd-meas, 
a  ni  deasbud  gu  sitheil  mu  nithean  a  tha  cearr 
agus  a  dh'  fheuchas  r'  an  cur  ceart,  an  aite  dol 
a  chogadh,  rud  a  tha  uamhasach  agus  neo- 
chinnteach  agus  nach  socruich  dad." 

Ann  an  aon  seagh  tha  so  uile  fior,  is  cha  fL-K.A 
facal  cearr  aig  an  duine,  ach  chan  'eil  rud  air  an 
t-saoghal  cho  sgitheil  no  cho  baothail  rifirimican 
aiar  nach  'eil  buintealas  ri  saoffhal  nam  beo. 

Car  son  a  dh'  eireadh  duine  'n  a  sheasamh  am 
measg  dhaoine  aig  a  bheil  inntinnean  geura, 
agus  a  chuireadh  e  seachad  iiine  ag  innseadh 
dhaibh  gur  f  hearr  sith  na  cogadh,  agus  nach  bi 
sith  mhaireannach  ann  gun  cheartas,  mar  nach 
do  smuainich  duine  eile  air  na  nithean  sin  riamh 
roimh  ?  Aontaichidh  a  h-uile  rioghachd  air  an 
t-saoghal  ris  an  fhacal,  nach  bi  sith  eatorra  gun 
cheartas,  ach  ciod  e  ceartas  ?  An  uair  a  thogar 
a'  cheist  sin  toisichidh  an  tuasaid. 

Ged  chuir  am  Morair  Sankey  seachad  a 
bheatha  mar  bhreitheamh  cha  dubhairt  e  aon 
fhacal  anns  an  deasbud  ud  a  chuidicheadh  leat 
a  thuigsinn  co  dhiubh  a  bha  ceart  anns  a'  chilis 
air  an  do  bhruidhinn  e.  Chamberlain  no  Hitler, 
Breatunn  no  a'  Ghearmailt.  Sin  an  rud  ris  an 
abrainn-sa  baothalachd,  gliongarsaich  bhriath- 
ran  air  a  bheil  aogasg  na  firinn  agus  aig  a  bheil 
fuaim  chrabhach,  ach  aig  nach  buintealas  idir 
ri  saoffhal  nam  beo. 


An  teampuU 


Le  Domhnull  Mac  Eachaen,  nach  maireann 

CREID  mi,  cha  tig  stoirm  no  gaillionn  Gleus  gu  tuireadh,  's  gleus  gu  luathghair. 

As  an  adhar,  deas  no  tuath,  Fuaighte  riut  's  gach  ait'  an  teid. 

Mar  a  dh'  eireas  anns  an  anam,  ,r~.   ix       i    .        in         i   ■,  -i   ■ 

'Nuair  a  sheideas  carraid  chruaidh.  S  diomhaireachd  nach  beag  an  dume, 

Dia  a  tumeachadh  n  a  chom  ; 

Annad  fein  tha  'n  ceol  a  ghluais  thu,  TeampuU  faoin  's  e  air  dhroch  uidheam 

Air  a  luasgadh  leis  an  teud  ;  'S  gun  an  tugha  air  ach  lom. 


Aireamh  ii 


939 


Aithreachas-Crlche 


losa,  cuimhnich  ormsa  an  uair  a  thig  thu  ann  ad  rioghachd.     Agus  thubhairt  esan  ris,  Gu  deimhin  tka  mi 
ag  radh  riut.  An  diugh  bithidh  tu  maille  riumsa  ann  am  Paras.'' — Lucas  xxiii.  42-43. 


rp  HA  rud  no  dha  anns  an  naidheachd  so  nach 
J-  toigh  le  cuid  de  dhaoine,  gu  sonraichte  na 
daoine  <xig  a  bheil  an  inntinn  laghail  agus  an 
inni^'  n  '"adurra.  Bhiodh  am  barrachd  meas  aca 
qf  .as    Chriosd    na'n    do   fhi*eagair    e    an 

;  '  -mar  a  fhreagair  e  Herod  agus  Pilat  ; 

na'n  d  Than  e  samhach.  Chan  'eil  na  daoine 
sin  a'  creidsinn  ann  an  aithreachas-criche,  no 
ann  an  iompaehadh  obann  ;  ma  tha  a  leithid  de 
ni  agus  iompaehadh  a'  tachairt,  their  iad  nach 
'eil  e  a'  tachairt  ach  ann  am  fior  dhroch  dhaoine, 
no  ann  an  daoine  anns  nach  'eil  taic  no  seasmh- 
achd  gu  nadurra,  a  tha  daonnan  fo  bhuaidh  am 
faireachduinnean  a  chionn  gu  bheil  inntinnean 
aotrom  aca  a  tha  luasganach  agus  air  bhogadan  ; 
ann  an  aon  fhacal  their  iad  nach  'eil  anns  na 
daoine  a  bhios  ag  radh  gu  robh  iad  air  an 
it  achadh  ach  daoine  nach  'eil  coltach  ri 
daoine  eile. 

/eh  tha  ni-eigin  anns  an  t-soisgeul  a  bhios 
'na  chnap-starra  agus  'na  ionghnadh  do'n  inn- 
tinn laghail  agus  do'n  inntinn  nadurra  gu  brath, 
oir  ciod  a  tha  anns  an  t-soisgeul  ach  saor-ghras 
Dhe,  saor-ghras  an  Ti  bheannaichte  a  tha  a 
smuaintean  agus  a  dhoighean  agus  a  riiintean 
na's  airde  na  smuaintean  agus  doighean  agus 
riiintean  na  h-inntinn  laghail.  Mur  bheil  daoine 
iompaichte  coltach  ri  daoine  eile  cha  mho  a  tha 
gras  Dhe  coltach  ri  rud  eile  air  thalamh. 

Dochas  a'  pheacaich 

Tha  an  naidheachd  so  a'  teagasg  nach  'eil  am 
peacach  as  miosa  air  thalamh  air  fhagail  gun 
dochas  ;  gu'n  ruig  trocair  an  Tighearna  eadhon 
airsan.  Ma  tha  neach  ann  a  dh'  fhaodadh  tu  a 
radh  uime  nach  'eil  duine  eile  air  thalamh  cho 
aingidh  ris  tha  an  soisgeul  a'  toirt  dochais 
eadhon  dhasan,  is  tha  gras  Dhe  comasach  air 
a  thearnadh. 

Theagaisg  losa  so  aig  amannan  eile  agus  ann 
an  doighean  eile  ;  theagaisg  e  e  ann  an  cuid  de 
na  cosmhalachdan  a  labhair  e,  ach  air  a'  chrann- 
cheusaidh,  an  uair  a  thubhairt  e  ris  a'  ghaduiche 
"  An  diugh  bithidh  tu  maille  riumsa  ann  am 
Paras,"  theagaisg  e  e  ann  an  doigh  cho  driiidh- 
teach  's  nach  urrainn  an  saoghal  gun  aire  agus 
geill  a  thoirt  da. 

Thug  Tighearn  an  f  hion-lios  paidheadh-latha 
do'n  fheadhainn  nach  do  thoisich  gu  anmoch  's 
in  fheasgar.  Tha  e  ceadaichte  do  Dhia  an  ni 
as  aill  leis  a  dheanamh  ;  tha  gras  a'  dol  os  cionn 
ceartais,  is  tha  Dia  a'  toirt  do  pheacaich  nithean 


as  fhearr  na  thoill  iad  ;  nithean  ris  nach  'eil 
diiil  aca,  nithean  a  dh'  fhagas  balbh  iad  le  moit 
is  ionghnadh. 

Chan  'eil  againn  anns  na  soisgeulan  ach 
criomain  bheaga  de  'n  naidheachd  so,  air  chor 
agus  nach  'eil  fhios  againn  ciamar  a  thoisich 
spiorad  an  Tighearn  air  labhairt  ri  cridhe  a' 
ghaduiche,  no  ciod  an  ni  sonraichte  a  chunnaic 
e  aig  a'  chrann-cheusaidh  a  dh'  fhosgail  a 
shiiilean.  Ach  co  dhiu  bha  a  shiiilean  air  am 
fosgladh,  is  chunnaic  e  an  da  chuid  gu  robh 
feum  aige  air  trocair,  agus  gu  robh  trocair  agus 
maitheas  Dhe  a'  dealradh  ann  an  aodann  losa. 
"  losa,"  ghuidh  e,  "  cuimhnich  ormsa  an  uair  a 
thig  thu  ann  ad  rioghachd." 

Fosgladh  nan  sul 

Theagamh  gur  e  ciiiine  agus  faidhidinn  losa, 
an  uair  a  rinn  droch  dhaoine  magadh  agus 
eucoir  air,  a  dh'  fhosgail  a  shiiilean  ;  air  neo  an 
urnuigh  a  chual  e  losa  ag  radh  gu  beag  ris  fein, 
"  Athair  thoir  maitheanas  dhaibh,  oir  chan  'eil 
fhios  aca  ciod  a  tha  iad  a'  deanamh."  Leis  na 
nithean  sin  labhair  spiorad  an  Tighearna  r'a 
choguis  ;  "  Tha  sinne,"  ars'  esan,  "  a'  faotainn 
nan  nithean  a  thoill  ar  gniomharan  :  ach  cha 
do  rinn  an  duine  so  ni  cearr." 

Eadhon  air  a'  chrann-cheusaidh  cha  b'  ann 
air  pian  f  heola  fein  a  bha  losa  a'  smuaineachadh 
ach  air  riiintean  grasmhor  Athar  a  choimh- 
lionadh  ;  bha  am  facal  ceart  deas  aige  do'n 
ghaduiche.  "  Gu  deimhin,"  tha  mi  ag  radh 
riut,  "  An  diugh  bithidh  tu  maille  riumsa  ann 
am  Paras." 

Mar  thubhairt  mi  cheana  tha  moran  dhaoine 
ann  nach  'eil  a'  creidsinn  ann  an  iompaehadh 
no  ann  an  aithreachas-criche,  agus  tha  daoine 
eile  ann  nach  'eil  a'  creidsinn  gu'm  bi  neach  air 
bith  air  a  thearnadh  mur  robh  e  air  iompaehadh 
gu  h-obann.  Tha  iad  le  cheile  cearr.  Tha  a' 
cheart  uiread  atharrachaidh  ann  am  fiosrachadh 
dhaoine  a  thaobh  na  beatha  spioradail  's  a  tha 
ann  am  fiosrachadh  dhaoine  a  thaobh  nithean 
eile.  Cha  do  rinn  Dia  daoine  coltach  ri  cheile, 
is  cha  fhreagair  cridheachan  dhaoine  do  rud  air 
bith  air  an  t-saoghal  anns  an  aon  doigh. 

Farsuingeachd  na  h-eaglais 

Chan  e  comunn  cumhann  ach  comunn  coit- 
chionn  a  tha  ann  an  eaglais  Dhe,  is  tha  eaglais 
Dhe  a'  gabhail  a  steach  gach  neach  air  thalamh 
aig  a  bheil  gradh  do  Chriosd,  ciod  air  bith  an 


2 


AITHREACHAS-CRICHE— COR  NA  GAIDHLIGE 


doigh  anns  an  d'  fhuair  iad  eolas  air.  A  thaobh 
am  fiosrachaidh  spioradail  tha  cuid  de  dhaoine 
coltach  ri  Samuel,  a'  fas  suas  ann  an  eagal  agus 
ann  an  seirbhis  an  Tighearn  o  laithean  an 
leanabais,  air  chor  agus  nach  urrainn  iad  a  radh 
c'uin  a  choisrig  iad  iad  fein  do  Dhia  an  toiseach. 
Cha  mho  is  urrainn  iad  a  radh  gu  robh  iad 
riamh  air  an  iompachadh  anns  an  doigh  a  bhios 
iad  a'  cluinntinn  dhaoine  eile  a'  bruidhinn  uime. 
Tha  mi  an  diiil  gur  e  so  am  fiosrachadh  spiorad- 
ail as  cumanta  anns  an  eaglais  a  nis,  agus  tha 
e  ri  radh  cuideachd  gur  e  so  am  fiosrachadh  as 
nadurra  agus  as  sabhailte.  Ach  tha  daoine  eile 
coltach  ri  Iain  Bunyan,  no  ri  Iain  Newton, 
daoine  anns  an  robh  dearbhachd  peacaidh  a' 
dol  air  aghaidh  fad  iiine  fo  bhuaidh  agus  fo 
chumhachd  an  Spioraid  Naoimh,  agus  a  bha  mu 


dheireadh  air  an  toirt  a  steach  do'n  t-solus  mar 
a  thionndas  a'  chomhla  air  a  bannaibh. 

Tha  gras  Dhe  cho  foghainteach  anns  an  dara 
doigh  's  a  tha  e  anns  an  doigh  eile  ;  tha  e  cho 
foghainteach  an  uair  a  chumas  e  Samuel  agus 
Timoteus  ann  an  slighe  na  firinn  agus  an  ion- 
racais  o'n  oige  's  a  tha  e  an  uair  a  thogas  e 
casan  an  eucoraich  as  an  lathaich  agus  a  shoc- 
ruicheas  e  iad  air  carraig. 

Tha  aon  de  na  sean-fhacail  Ghaidlig  ag  radh 
nach  'eil  ann  an  aithreachas-criche  ach  a  bhi 
cur  sil  mu'n  Fheill-Martuinn.  Ann  an  aon 
seagh  tha  sin  fior,  ach  mur  tig  am  fochann  anns 
an  t-saoghal  so  tha  an  t-siorruidheachd  aig  an 
t-siol  gu  fas.  Agus  is  fhearr  aithreachas-criche 
seach  duine  a  bhasachadh  mar  rinn  an  gaduiche 
eile,  a'  magadh  air  Criosd. 


Cor  na  Gkidhlige 


Le  Uilleam  I.  Mac  BhAtaih,  M.A.,  LL.D.,  D.Litt.  Celt.;  Hon.  F.E.I.S. 


IS  mor  an  t-atharrachadh  a  thainig  air  a' 
Ghaidhealtachd  ri  ar  linn  fhein,  agus  chan 
ann  air  a'  Ghaidhealtachd  a  mhain,  ach  air  gach 
diithaich  eile  feadh  an  t-saoghail  gu  leir. 
Choisich  peathraichean  mo  sheanmhathar  bho 
Ard-gaoithe,  faisg  air  Drochaid  a'  Bhanna  an 
Cataibh,  "  gu  Loudi  air  chuairt  "  gus  a'  bhuain, 
agus  thill  iad  air  an  cois,  agus  cha  b'e  an  aon 
uair  a  rinn  iad  sin.  B'aithne  dhomh  na  boirionn- 
aich,  Seonaid  is  Mairgidh  Ros.  Is  ann  leis 
a'  chorran  a  bhiodh  iad  a'  buain  an  arbhair. 

Saoilibh  fhein  nach  mor  an  t-atharrachadh 
bho'n  am  sin :  innealan  buana,  an  t-each  iaruinn, 
carbadan-ola,  agus  chan  e  sin  a  mhain  ach  na 
carbadan-itealaich,  an  luingeas  a  theid  fo  mhuir, 
agus  an  ni  as  iongantaiche  na  iad  sin  uile,  am 
fios-adhair,  leis  am  faod  duine  an  iomall  Albann 
guth  duine  eile  a  chluinntinn  a  tha  labhairt 
miltean  de  mhiltean  air  falbh  :  "  Air  feadh  na 
talmhainn  uile  chaidh  am  fuaim  a  mach,  agus 
am  focail  gu  iomall  an  domhain." 

Bha  na  tiodhlaicean  mora  iongantach  sin 
folaichte  bho'n  aimsir  chein  an  diomhaireachd 
na  cruitheachd  gus  an  d'thainig  iad  am  follais 
ri  ar  la  fhein,  agus  nach  maith  thigeadh  dhuinn 
a  radh  mar  a  thubhairt  an  salmadair,  "  Cia 
lionmhor  t'oibre,  a  Thighearna.  Ann  an  gliocas 
rinn  thu  iad  gu  leir ;  tha  an  talamh  Ian  le  d'shaoi- 
bhreas."  Agus  mar  is  ann  an  gliocas  a  rinn- 
eadh  iad,  tha  feum  gliocais  air  gach  duine 
agus  air  gach  diithaich  chum  an  cleachdadh  gu 
ghc  agus  chum  an  cm*  gu  buil  mhaith.  "  Is 
fhearr  an  teine  beag  a  gharas  na  an  teine  mor 
a  loisgeas." 

Dualchas  ar  sinnsear 

Chan  urrainn  nach  tig  caochladh,  ach  a 
dh'aindeoin  gach  caochladh  a  thig,  tha  aon  ni 
againn  gu  h-araidh  bu  choir  a  ghleidheadh  gu 


ro-chiiramach,  agus  is  e  sin  dualchas  agus 
spiorad  ar  sinnsear,  oir  ma  chailleas  .fmn  sin, 
sguiridh  sinn  a  bhith  'nar  Gaidheil  agus  chan 
abrar  ach  "  bha  Gaidheil  aon  uair  ann."  Tha 
an  dualchas  agus  an  spiorad  a  dh'ainmich  mi 
air  an  taisgeadh  ann  an  cainnt  agus  an  litreachas 
nan  Gaidheal.  "  Sluagh  gun  teangaidh,  sluagh 
gun  anam." 

Their  cuid  gum  faod  duine  a  bhith  'na  fhior 
Ghaidheal  ged  nach  'eil  e  'na  chomas  Gaidhlig 
a  labhairt  no  a  leughadh.  Is  e  theirinn 
riutha  sin  :  riamh  chan  fhacas  Sasunnach 
gun  a'  Bheurla  Shasunnach,  no  Frangach 
gun  Fhraingeis,  no  Greugach  gun  Ghreugais  ; 
an  uair  a  chaillear  a'  chanain,  caillear  an 
diithchas.  Chuala  sibh  na  thubhairt  a'  chaill- 
each  :  "  An  cnocan,  an  cnocan,  far  an  do 
chain  mi  mo  Ghaidhlig  is  far  nach  d'fhuair 
mi  mo  Bheurla."  Sin  agaibh  cor  a'  Ghaidheil 
a  chaill  ^  Ghaidhlig  :  chaill  e  dileab  a  shinn- 
sear,  agus  ni  'na  h-aite  cha  d'fhuair. 

Chan  'eil  ni  as  tlachdmhoire  na  comhradh  ris 
a'  Ghaidheal  'na  chainnt  fhein  ;  tha  a  inntinn 
easgaidh,  Ian  de  gach  seanchas  agus  gach 
storas  eile — ^beul-aithris  nan  sean,  gnath-fhocail 
agus  sgeulachdan,  puirt-a-beul  agus  orain, 
briathran  daingneachaidh  agus  briathran  eas- 
caine  ;  is  aithne  dha  ainm  gach  aite  anns  a' 
chearn  d'am  buin  e,  chan  ann  mar  a  chaidh  an 
truailleadh  anns  a'  Bheurla  Shasunnaich  ach 
mar  a  thugadh  iad  seachad  o  shean.  "  Is 
aithne  dhomhsa,"  ars'  Parian  MacPharlain  rium 
fhein  agus  sinn  'nar  suidhe  ri  taobh  Loch 
Bheannchair,  "  a  h-uile  clach  is  clais  is 
cnocan  eadar  Calasraid  is  Inbhir-snathaid " ; 
agus  b'fhior  dha  sin.  Shiubhail  Parian,  agus 
cha  d'fhag  e  a  leithid  'na  dheidh  ;  ach  tha 
bloigh  de  a  sheanchas  sgriobhta  agamsa 
nach   b 'urrainn   do   dhuine   beo  fhaighinn   an 


COR  NA  GAIDHLIGE 


3 


diugh.  Agus  mar  sin  anns  gach  cearn  far  a 
bheil  a'  Ghaidhlig  air  a  gleidheadh  mar  bu 
choir.     Cha  ruigear  a  leas  tuilleadh  a  radh. 

Luchd-bruidhinn  na  Gaidhlige 

Seallamaid  a  nis  air  aireamh  na  muinntire 
a  tha  labhairt  na  Gaidhlige  an  diugh,  no  mar 
bu  choir  dhomh  a  radh  o  chionn  tri  bliadhna 
air  ais,  an  coimeas  ris  na  bha  'ga  labhairt  anns 
a'  bhhadhna  1921  agus  anns  a'  bhUadhna  19II. 


1911 
1921 
1931 


202,398 
158,779 
136,135 


Dh'fhaodamaid  a  thoirt  fainear  gur  ann  air 
a'  bhliadhna  1881  a  thogadh  an  ceud  chunntas 
de  shluagh  na  h-Alba  aig  an  robh  a'  Ghaidhlig. 
B'e  an  aireamh  aig  an  robh  i  an  uair  sin,  uile 
guleir,  231,594. 

Chi  sibh  mar  sin  mar  a  tha  ar  cainnt  a'  dol  an 
lughaid.  Anns  a'  bhliadhna  1931  bha  aireamh 
luchd-bruidhinn  na  Gaidhlige  22,644  na  bu 
lugha  na  anns  a'  bhliadhna  1921,  agus  66,263 
na  bu  "  igha  na  bha  iad  anns  a'  bhliadhna 
191 1-    Sgeul  bronach,  ach  cha  ghabh  e  aicheadh. 

Rugadh  mi  fhein  an  sgire  Chille  Mhoire  air 
Machair  Rois,  agus  thogadh  mi  treis  ann  an 
Srath  Chonuinn  agus  treis  mhath  eile  anns  na 
Bothachan  an  sgire  Alanais.  Cha  do  labhair 
mo  sheanmhathair  facal  Beurla  fad  a  beatha, 
agus  b'i  a'  Ghaidhlig  cainnt  mo  sheanathar,  an 
Gobhainn  Ruadh.  Labhradh  m'athair  agus 
mo  mhathair  a'  Ghaidhlig  agus  a'  Bheurla,  agus 
mar  sin  do'n  chuid  mhoir  de  mo  chomhaoisean 
fhein.  Ach  an  t-al  a  thainig  'nar  deidh,  is  gann 
gu  bheil  facal  Gaidhlig  'nan  ceann,  agus  mar 
sin  tha  sinn,  mo  chomhaoisean  agus  mi  fhein, 
air  an  fheadhain  mu  dheireadh  a  bhruidhneas 
a'  Ghaidhlig  air  Machair  Rois. 

Gaidhlig  anns  na  h-eaglaisean 

An  uair  a  bha  mise  'nam  dhuine  bg,  bhiodh  na 
h-eaglaisean  Ian  aig  an  t-searmoin  Ghaidhlig  ; 
aig  am  comanachaidh  rachamaid  gu  sgire 
Chraoich  agus  gus  na  sgirean  eile  air  la  na 
Sabaide  a  dh'eisdeachd  ri  searmoin  Ghaidhlig. 
An  diugh  is  gann  gu  bheil  facal  Gaidhlig  air  a 
shearmonachadh  eadar  Inbhir  Pheof  harain  agus 
Baile  Dhubhthaich,  mur  a  bi  e  aig  corr  am  mar 
annas.  Ri  mo  linn  an  Srath  Chonuinn  is  iomadh 
uair  a  bha  mi  sgith  ag  eisdeachd  ris  na  h-eil- 
deirean  coire  ag  cur  dhiiibh  anns  a'  Ghaidhlig, 
agus  mi  mu  shia  bliadhna  dh'aois.  Cha  robh 
facal  de'n  Bheurla  air  a  chleachdadh  eadar  duine 
agus  duine.  Dh'ionnsuich  na  baintighearnan, 
peathraichean  a'  Mhorair  Arthur  J.  Balfour, 
Gaidhhg  bho  bhrathair  m'athar,  a  bha  'na 
mhaighistir-sgoile  anns  an  t-Srath,  los  gum 
bruidhneadh  iad  ris  na  cailleachan  is  na  bodaich 
agus  an  tuath  air  fad.     Air  an  la  an  diugh  chan 


'eil  facal  Gaidhlig  air  a  shearmonachadh  an 
Eaglais  Shrath  Chonuinn.  Cha  bu  mhaith 
leam  coire  f  haotainn  do  na  ministeirean  ;  ach 
theirinn  leis  gach  urram  nach  bu  mhisde  iad 
tuilleadh  aire  a  thoirt  air  a'  Ghaidhlig  ;  agus 
nan  deanadh  iad  sin  gur  mor  a  b'fheairrde  a' 
Ghaidhlig  an  saothair,  agus  gum  biodh  sixil  ri 
beannachd  'na  lorg.  Tha  droch  amharus  agam 
gu  bheil  Eaglais  na  h-Alba,  mar  a  tha  i  an  diugh, 
coma  de'n  Ghaidhlig. 

Chan  ann  mar  sin  do'n  Eaglais  Shaoir  :  lean 
ise  ri  canain  agus  ri  teagasg  nan  aithrichean. 

Anns  na  sgoilean 

Thug  mi  sgeul  duibh  o  Mhachair  Rois.  An 
ni  a  thachair  air  Machair  Rois,  tha  an  dearbh 
ni  a'  tachairt,  no  thachair  e  cheana,  air  a'  chuid 
mhoir  de'n  mhoirthir,  o  an  Chaol  Arcach  gu 
Maol  Chinn-tire.  Tha  gu  leoir  Gaidhlig  fhath- 
ast  anns  na  h-Eileanan  :  gu  ma  fada  bhitheas. 

A  reir  Achd  na  Parlamaide  (1918)  tha  a' 
Ghaidhlig  gu  bhith  air  a  teagasg  anns  na 
sgoilean  feadh  na  Gaidhealtachd  far  a  bheil  a' 
chainnt  air  a  labhairt  gu  cumanta.  Chan  ann 
gun  spairn  chruaidh  chaidh  an  earrann  so  a 
chur  anns  an  Achd,  ach  cha  ruig  mi  a  leas  leud- 
achadh  air  a'  chuspair  sin  aig  an  am  so.  Tha 
i  air  a  teagasg  an  tomhas  beag  no  mor  an  Siorr- 
amachd  Rois  is  Chromba,  an  Siorramachd 
Inbhir-Nis,  agus  an  Siorramachd  Earra-Ghai- 
dheal  ;  tha  Siorramachd  Chataibh  air  dheir- 
eadh, ach  tha  siiil  gum  bi  gnothuichean  na's 
fhearr  a  dh'aithghearr  anns  a'  chearn  sin. 
Bu  mhor  am  beud  nan  leigte  canain  Rob  Dhuinn 
air  diochuimhne  an  Cataibh. 

Cuiridh  mi  sios  an  so  aireamh  nan  sgoilean 
anns  a  bheil  a'  Ghaidhlig  air  a  teagasg  ann  an 
siorramachdan  Chataibh,  Rois  i&  Chromba, 
Inbhir-Nis,  agus  Earra-Ghaidheal,  a  reir  Thir- 
mhoir  agus  Eileanan. 

Tk-m6r  Na  h-Eileanan  An  t-Iomlan 
Cataibh      .          .        14  14 

Ros  is  Cromba  .       29  39  (Leodiias)  68 

Inbhir-Nis  .       21  100  121 

Earra-Ghaidheal       41  38  79 


105 


177 


282 


Tha  obair  ro-mhaith  ealanta  a'  dol  air  adhart 
bho  bhliadhna  gu  bliadhna  anns  na  Sgoilean- 
arda.  Faodar  na  bailtean  ainmeachadh  anns 
a  bheil  na  sgoilean  sin — Steornabhagh,  Port- 
righeadh,  Inbhir  Pheofharain,  Ulabol,  Inbhir- 
Nis,  Gearasdan  Loch  Abar,  Cinn  a'  Ghiiithsaich, 
agus  An  t-Oban  Latharnach. 

Tha  iad  sin  uile  ri  obair  air  son  an  Teisteanas 
air  Fagail  Sgoile,  Teisteanas  nach  'eil  air  a 
thoirt  gun  deagh  eolas  air  a'  Ghaidhlig  Albann- 
aich  agus  a  thuilleadh  air  sin  eolas  air  a' 
Ghaidhlig  Eireannaich.  Is  ann  as  na  sgoilean 
sin  a  gheibhear  a'  chuid  as  motha  de  fhir- 
theagaisg   na   cainnte   anns   an  am   a   tha  ri 


COR  NA  GAIDHLIGE 


teachd  ;  theid  a  mhorchuid  dhiubh  do  na  h- 
Oilthighean  an  deidh  dhoibh  an  sgoil  fhagail. 
A  reir  mar  is  fiosrach  mise,  tha  mu  thimchioll 
lethcheud  a'  faighinn  an  Teisteanais  anns  a' 
Ghaidhlig  gach  bliadhna.  Dh'  fhaodainn  tuill- 
eadh  a  radh  air  an  steidh  so,  ach  foghnadh  na 
thubhairt  mi. 

Litreachas  na  Gaidhlige 

Tionndamaid  a  nis  ri  litreachas  na  Gaidhlige 
mar  a  tha  e  air  an  la  an  diugh.  Anns  an  linn 
a  chaidh  thairis  cha  robh  dith  luchd-sgriobhaidh 
roisg  agus  rann  oirnn.  Faodar  cuid  diubh 
ainmeachadh,  mar  a  tha  an  t-OUamh  Domhnall 
MacFhionghuin,  Domhnall  MacEacharna,  Niall 
MacLeoid,  Eanruig  Mac  Ille  Bhain  no  "  Fionn," 
agus  a  bhrathair  Iain,  Calum  MacPharlain,  an 
t-Ollamh  Urramach  Calum  MacGhille-Fhinnein, 
na  ban-bhaird  Mairi  Nic-a-Phearsain  agus 
Mairi  NicCeallair.  Am  measg  nan  sgoilearan 
a  b'airde  an  cliii  bha  an  t-Ollamh  Alasdair  Mac- 
Bheathain,  an  t-Ollamh  Urramach  Alasdair 
Camshron,  agus  an  t-Ollamh  Urramach  Seoras 
MacEanruig.  Tha  againn  fhathast  de  na 
seann  churaidhean  Iain  MacCormaic  agus  Iain 
MacPhaidein,  dithis  a  rinn  treubhantas  'n  an 
latha.  Tha  againn  a  lathair  cuideachd  iomadh 
fear  eolach,  ionnsuichte,  ealanta,  aig  a  bheil 
ceart  agus  bias  na  Gaidhlige  agus  as  urrainn 
a  sgriobhadh  gu  tlachdmhor  agus  gu  taitneach, 
ach  cha  ruigear  a  leas  an  ainmeachadh.  Cha  do 
theirig  luchd-sgriobhaidh  na  Gaidhlige  agus 
cha  do  theirig  na  fir  fhoghluimte  ;  agus  tha 
an  t-al  og  a'  tighinn  air  adhart  gu  gasda  ;  cluinn- 
ear  bhuapa  fhathast. 

Dileab  phriseil 

Ach  mar  nach  'eil  maith  gun  mhilleadh,  chan 
'eil  maith  nach  gabh  a  leasachadh,  agus  sin 
mar  a  tha  e  mu  ar  litreachas.  Chan  'eil  dileab 
as  priseile  againn  bho  ar  sinnsearan  na  an 
litreachas  a  dh'fhag  iad  'n  an  deidh,  gu  h-araidh 
a'  bhardachd  bho  aimsir  Sheumais  Mhic 
Griogair,  Deadhan  Lios  Mor,  gus  an  la  an 
diugh,  no  faisg  air  an  la  an  diugh.  Gheibhear 
anns  a'  bhardachd  sin  fior  smior  spiorad  nan 
Gaidheal  gun  truailleadh  gun  choimeasgadh. 
Gheibhear  innte 

"  An  fhuil  bha  an  cuisle  ar  sinnsridh, 
'S  an  innsgin  a  bha  'n  an  aigne." 

Chan  e  sin  a  mhain,  ach  a  thuilleadh  air  sin  tha 
an  litreachas  ro-fheumail  a  thaobh  eachdraidh 
agus  cleachdaidhean  na  Gaidhealtachd  mus 
do  thoisich  na  Goill  air  tolladh  a  steach. 

O  chionn  seachduin  no  dha  bha  gne  chonn- 
spoid  anns  na  paipearan-naidheachd  mu  dhath 
fait  a'  Phrionnsa  Tearlach  ;  theireadh  cuid  gun 
robh  e  dubh,  cuid  gun  robh  e  donn,  cuid  eile 
gun  robh  e  ban,  agus  mar  sin  air  adhart.  Cha 
robh  gin  diiibh  thug  an  aire  gur  e  "Tearlach 


Ruadh  "  theirte  ris  leis  na  Gaidheil  d'am  b' 
fhearr  a  b'aithne  e — Alasdair  mac  Mhaighstir 
Alasdair  agus  Iain  Ruadh  Stiubhart. 

Leabhraichean  air  chall 

Dh 'fhaodainn  gu  leoir  a  radh  mu'n  phuinc 
so.  Ach  is  e  bu  mhaith  learn  a  thoirt  fo  bhur 
n-aire  gu  bheil  a'  mhor  chuid  de'n  htreachas 
phriseil  so,  mar  gum  b'ann,  air  chall  air  an  la 
an  diugh  :  chan  'eil  na  leabhraichean  r'am 
faighinn  bho  na  leabhar-reiceadairean.  C'aite 
am  faigh  thu  Sgeulachdan  Iain  Oig  He,  no  An 
Duanaire,  no  Sar  Obair  nam  Bard  Gaidhealach, 
gun  ghuth  a  thoirt  air  na  baird  fa  leth  ?  Chan 
fhaigh  ach  ann  an  corr  leabhar-lann,  maith 
dh'fhaoidte  an  Dun-eideann  no  an  Glaschu  no 
an  Inbhir-Nis,  no  eadhon  an  America,  far  an 
deachaidh  moran  diubh. 

A  reir  mo  bharail-sa,  agus  a  reir  baraile 
iomadh  fir  eile,  is  mithich  dhuinn  teannadh  ris 
an  uireasbhuidh  so  a  lionadh  no  a  cheartachadh 
mar  is  fhearr  theid  againn  air,  agus  uime  sin 
thug  mi  an  oidheirp,  le  cuideachadh  mo  charaid 
Fred.  T.  MacLeoid,  a'  chilis  a  thoirt  fa  chomh- 
air  nan  Comunn  Gaidhealach  o  Inbhir-Nis  gu 
Lunnainn,  ag  iarraidh  an  taice  agus  an  cuid- 
eachaidh.  Thainig  fios-freagairt  cha  mhor  bho 
gach  aon  diiibh  sin,  ag  cur  an  aonta  ris  na 
thubhairt  sinn  agus  ag  gealladh  cobhair  a  thoirt. 

Cha  robh  Comunn  Gaidhealach  Ghlaschu  air 
dheireadh  anns  a'  chiiis  ;  tha  mi  buidheach 
dhibh  air  an  aobhar  sin,  agus  de  gach  Comunn 
eile  a  thug  misneach  dhuinn.  Tha  sinn  ag  cur 
romhainn  coinneamh  a  ghairm  an  liine  ghoirid 
gu  sgeul  a  thoirt  air  mar  chaidh  leinn,  agus  gu 
beachd-smuaineachadh  air  an  doigh  as  fhearr 
gu  Comunn  Litreachas  Gaidhlig  na  h-Alba  a 
chur  air  bonn,  agus  gu  cuireadh  a  thoirt  do 
gach  fear  is  bean  leis  am  bu  mhaith  bhith  'nam 
buill  de'n  Chomunn,  agus  deich  tasdain  is  sia 
sgillinn  a  phaidheadh  's  a'  bhhadhna  an  eirig 
air  gach  leabhar  fhaighinn  gu  saor  mar  a  thig 
e  o'n  chlo. 

Cha  b'fhuilear  mu  cheithir  cheud,  no  co 
dhiubh  tri  cheud  gu  leth,  ball  air  a'  cheud 
dol  a  mach.  Ma  gheibhear  sud,  bithidh  an 
gnothuch  ceart  ;  cha  bhi  dith  f  hear-deasachaidh 
oirnn,  agus  am  bliadhna  no  dha  bithidh  gach 
ni  air  rian  gu  leabhar  a  chur  a  mach  gu  h-6rdail 
gach  bliadhna. 

Mar  a  thubhairt  mi  cheana,  chan  ann 
roimh  a  mhithich  chaidh  an  oidheirp  so  a 
dheanamh  ;  tha  duil  againn  gun  tig  i  gu 
buil  agus  gun  soirbhich  i  :  bu  mhor  am  beud 
agus  am  masladh  mur  tigeadh.  Ach  "  chi  sinn," 
mar  a  thubhairt  an  dall. 

{Bha  an  seanchas  so  air  a  dheanamh  ri  Coimmn 
Gaidhlig  Ghlaschu  ann  an  1934,  is  tha  e  a  nis  air 
a  chur  air  na  duilleagan  so  le  ceud  a'  Chomuinn  sin 
agus  cead  an  Ard-Ollaimh  a  ri7in  e.  Bithidh  ar 
luchd-leughaidh  toilichte  a  chluinntinn  gu  bheil  an 


COR  NA  GAIDHLIGE— ANNS  A'  CHATHAIR 


Comunn  anns  an  do  chuir  an  t-Ard-Ollamh  agus 
Fred  T.  Mac  Lebid  ceann,  Comunn  Litreachas 
Gaidhlig  na  h-Alba,  a  nis  air  a  chur  air  bonn, 
agus  giin  do  chuir  e  a  mach  da  leahhar  fhiachail 
cheana,  a'  cheud  fhear  leis  an  Ard-Ollamh  e  fein, 


agus  an  dara  fear  le  sgoilear  bg  a  Uidhist, 
Uilleam  Mac  Mhathain.  Ma  bu  mhaith  le  neach 
air  bith  a  bhi  'na  bhall  de'n  Chomunn  so  chan 
'eil  aige  ach  sgriobhadh  gu  Fred  T.  Mac  Lebid, 
an  Diin-eideann.) 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  a'  bhliadhna  1764  chuir  Ard-Sheanadh 
xA-na  h-eaglais  an  t-Urramach  Iain  Walker, 
D.D.,  a  bha  'n  a  Ard-Fhear-teagaisg  an  Oilthigh 
Dhim-eideann,  do'n  Ghaidhealtachd  a  rann- 
sachadh  mu  chiiisean  na  h-eaglais  agus  mu 
mheadhonan-grais  anns  na  h-Eileanan  agus 
ann  an  sgirean  iomallach,  agus  o'n  a  bha  e  a' 
dol  ann  co  dhiu,  dh'  iarr  baillidhean  a'  Chriiin 
air,  a  bha  a'  riaghladh  nan  oighreachdan  a 
thugadh  o  na  tighearnan  a  dh'  eirich  leis  a' 
Phrionnsa,  cunntas  a  thoirt  dhaibhsan  air  cor 
na  duthcha,  aireamh  an  t-sluaigh,  agus  ciod  a 
ghabhadh  deanamh  gus  am  beoshlaint  a 
dheanamh  na  b'  fheaiT. 

Cha  b'  urrainn  dhaibh  duine  eile  a  bu  fhreag- 
arraiche  air  son  a'  ghnothuich  f haotainn  na 
Iain  Walker,  oir  chan  e  a  mhain  gu  robh  eolas 
farsuing  aige  ach  bha  tiir  nadui-ra  aige  mar  an 
ceudna,  agus  b'  aithne  dha  a'  Ghaidhealtachd 
gu  maith.  Chaidh  e  air  a  thurus  se  uairean,  is 
chuir  e  seachad  a  chuid  a  b'  fhearr  de  she 
samhraidhean  a'  siubhal  air  feadh  na  diithcha 
agus  a'  ceasnachadh  dhaoine  mu  dhoighean 
tuathanachd,  mu  iasgach,  agus  mu  nithean 
eile  a  bhuineadh  do  bheatha  an  t-sluaigh. 
Shiubhail  e  tri  mile  mile  ann  an  seachd  miosan. 

Rud  gle  iongantach,  cha  do  ghearain  e  air 
an  t-sid  ;  is  bha  e  an  diiil  gu  robh  muinntir  na 
duthcha  ro  ullamh  gu  bhi  a'  deanamh  olcas  na 
side  'n  a  lethsgeul  air  son  na  droch  thuathan- 
achd  a  bha  iad  a'  deanamh.  Ach  chan'  eil  e 
furasda  tuathanachd  mhaith  a  dheanamh  far  a 
bheil  an  t-sid  dona,  is  tha  i  dona  anns  na 
h-Eileanan  leth  na  bUadhna  co  dhiu. 

Cha  robh  na  Gaidheil  riamh  maith  air  tuathan- 
achd, agus  is  e  an  t-aobhar  nach  'eil  an  talamh 
no  an  t-sid  aca.  Tha  cluaintean  de  thalamh 
maith  an  sud  agus  an  so  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
agus  air  uairean  tha  an  t-sid  maith  cuideachd, 
ach  ma  ghabhas  tu  am  fearann  agus  na  bliadh- 
nachan  thar  a  cheile  cha  toir  treabhaiche  anns 
a'  Ghaidhealtachd  a  thuarasdal  fein  as  an 
talamh.  Anns  na  seann  laithean  dheanadh 
teaghlaichean  obair  gun  tuarasdal,  air  son  am 
beoshlaint  ;  ach  cha  dean  iad  sin  an  diugh, 
agus  fhios  aca  gu  bheil  cuid  d'an  coimhears- 
naich  agus  miltean  air  mhiltean  anns  na 
bailtean-mora  a'  faotainn  airgid  o'n  Staid  gun 
dad  a  dheanamh  air  a  shon.  Tha  duineachan 
beag  anns  na  Cowcaddens  an  Glaschu,  gaoth- 
aran  gun  sgoinn,  aig  a  bheil  bean  agus  seisear 


chloinne,  a'  faotainn  a  sporan  na  rioghachd  da 
phunnd  's  a  tri  a  h-uile  seachduin,  ged  nach 
do  rinn  e  aon  char  oibre  o  chionn  naoi  bliadhna. 
Co  an  croitear  ann  an  Uidhist  a  bheir  se  fichead 
not  's  a  deich  as  a  chroit  a  h-uile  bliadhna  air 
cho  goirt  agus  'g  an  oibrich  e  ?  An  uair  a 
chluinneas  e  m'  an  fhear  eile  a  tha  a'  faotainn 
tuarasdail  agus  e  diomhaineach,  an  ionghnadh 
ged  a  theireadh  e  gu'm  b'  fhearr  dhasan 
cuideachd  dol  air  an  deirc  seach  a  bhi  'g  a 
sharuchadh  fein  ag  oibreachadh  croite  } 

Leis  an  tuathanachd  a  b'  fhearr  agus  an  t-sid 
a  b'  fhearr  chan  'eil  a'  chuid  mhor  de  fhearann 
na  Gaidhealtachd  freagarrach  air  son  a'  chroinn, 
is  anns  na  laithean  so  cha  b'  fhiach  do  dhaoine 
a  bhi  'g  a  thionndadh.  Ged  is  mor  Leodhas 
agus  an  t-Eilean  Sgitheanach  ciod  a  tha  annta 
ach  fonn  is  fearann  bochd  ;  garbhlach  chreag- 
ach,  is  monaidhean  arda,  is  mointeach  fhuar, 
ged  tha  cleobagan  beaga  an  sud  agus  an  so  ri 
taobh  a'  chladaich  as  fhiach  an  treabhadh  ? 

Tha  doighean  eile  ann  anns  am  faod  fearann 
a  bhi  air  a  chur  gu  buil  cheart  gun  e  a  bhi  air  a 
threabhadh,  ach  far  an  gabh  e  deanamh  bu_ 
choir  gu'm  biodh  talamh  maith  air  a  chumail 
fo'n  chrann  daonnan.  Tha  miltean  air  mhiltean 
acair  de'n  fhearann  as  fhearr  anns  an  riogh- 
achd, fada  na's  fhearr  na  fearann  na  Gaidhealt- 
achd, air  a  chur  a  mach  fo  fheur  a  chionn  nach 
'eil  buannachd  ann  a  threabhadh.  Chan  'eil  sin 
maith  do'n  rioghachd,  is  cha  bhi  ciiisean  ceart 
gus  an  gabh  luehd-riaghlaidh  na  diithcha  barr- 
achd  suime  do  cheist  an  fhearainn  na  tha  iad 
a'  gabhail,  agus  an  dean  iad  laghannan  tira  a 
bheir  misneach  do'n  tuathanach  am  fearann  a 
chur  fo'n  chrann  air  ghaol  buannachd  dha 
fein.  Air  a'  cheann  mu  dheireadh  sin  an 
t-aobhar  a  tha  a'  cumail  uile  dhaoine  an 
t-saoghail  ag  obair,  gu  bheil  e  buannachdail 
dhaibh  obair  a  dheanamh.  Chan  ann  air  ghaol 
na  rioghachd,  no  air  ghaol  an  coimhearsnach, 
a  tha  daoine  a'  saothrachadh,  ach  air  ghaol  na 
buannachd  a  gheibh  iad  as  an  saothair,  agus  a 
cheart  cho  luath  's  a  chi  an  tuathanach  gu'm 
paidh  e  na's  fhearr  dha  an  talamh  a  thionndadh 
na  leigeil  fo  fheur,  chi  thusa  gu'm  bi  na  croinn 
air  an  cur  air  ghleus. 

Anns  na  laithean  ud  bha  coig  deug  is  ceithir 
fichead  de  na  h-Eileanan  Siar  air  an  robh 
daoine,  ach  cha  robh  uiread  dhaoine  orra  's  a 
bha  orra  leth  cheud  bhiadhna  'n  a  dheidh  sud 


ANNS  A'  CHATHAIR 


'nuair  a  bha  obair  na  ceilpe  'na  seusdar.  Bha 
ceithir  jfichead  's  a  dha  dheug  ann  an  eilean 
Hiort,  ceithir  duine  deug  anns  na  h-eileanan 
Flannach,  fichead  ann  an  Innis  Choinnich, 
agus  se  deug  air  fhichead  ann  an  Ronaidh,  ach 
tha  iad  sin  gun  daoine  an  diugh.  Ged  nach 
robh  an  sluagh  air  an  aireamh  anns  an  linn  ud 
le  seirbhisich  an  Righ  bha  cunntas  air  a  chumail 
orra  le  ceistearan  agus  ministearan  le  ordugh 
na  Cleire.  So  mar  bha  an  sluagh  anns  na 
h-eileanan  an  1764. 


Ainm  an                Aireamh  an 

Ainm  an                Aireamh  an 

eilein                     t 

sluaigh 

eilein                     t- 

sluaigh 

Bod    . 

4067 

Gdmetra 

50 

Innis  Marnoc 

20 

AnCalbh    . 

6 

Cumradh  Mor 

450 

Colla 

1200 

Cumradh  Beag 

70 

Tiriodh 

1681 

Arain 

3403 

Canaidh 

253 

Sannda 

19 

Riim 

304 

Giogha 

452 

Eige   . 

457 

Cara  . 

9 

Eilean  nam  muc 

148 

He       . 

7000 

An  t-eilean  Sgith 

- 

Diiira 

630 

eanach     . 

14,724 

Scarba 

60 

Crolainn 

9 

Lunga 

40 

Scalpaidh    . 

84 

Siuna 

31 

Ratharsaidh 

400 

Eilean  an  Righ 

18 

R6na 

36 

Pladda 

14 

Leodhas 

7281 

Beul  na  h-uamha 

95 

Na         h-Eileanai 

1 

Torrasaidh  . 

36' 

Seunta     . 

22 

Luing 

667 

Na  Hearadh 

1672 

Saoil  . 

580 

An  Scarp     . 

50 

Eisdeal 

446 

Tarasaidh    . 

28 

Garbh  Eileach 

11 

Uidhist  a  Tuath 

2215 

Eileacha  Naomh 

8 

Uidhist  a  Deas 

1580 

Cearara 

150 

Beinn  na  Faoghlg 

I        600 

Orasa 

30 

Barraidh 

1097 

CoUasa 

760 

Bhatarsaidh 

104 

Lios-mor      . 

1125 

Fudaigh 

56 

Bearnaraidh 

7 

Aoraisgeidh 

8 

Muile 

5316 

Haoisgeir     . 

70 

I  Chaluim-cille 

200 

Borroraidh  . 

72 

Ulbha 

263 

Eadar  1750  agus  1850  dh'  fhas  an  sluagh 
anns  a'  Ghaidhealtachd  anabarrach  lionmhor. 
Bha  tri  aobhair  aig  an  fhas  sin,  (l)  cha  robh  iad 
an  toirt  air  falbh  leis  a'  bhric  mar  a  b'abhaist  a 
bhith,  (2)  bha  obair  pailt,  gu  sonraichte  obair 
na  ceilpe,  agus  (3)  an  uair  a  thoisich  iad  air 
buntata  a  chur  bha  biadh  pailt.  A  thuilleadh 
air  sin  bha  iad  a'  posadh  trath  ;  bha  an  diithaich 
agus  na  daoine  fallan,  is  bha  teaghlaichean 
mora  aca.  Anns  na  laithean  ud  bha  a'  cheath- 
ramh  cuid  de'n  t-sluagh  uile  fo  ochd  bliadhna, 
aon  as  a  cheathrar,  ach  an  diugh  chan  'eil  aon  as 
an  dusan  de  aireamh  an  t-sluaigh  'n  an  cloinn. 
Tha  seann  daoine  lionmhor  gu  leor  fhathast 
ach  tha  a'  chlann  gann. 

Anns  na  seann  laithean  b'e  a'  bhreac,  no 
a'  bhan-ghucach,  ciiis-eagail  a  bu  mho  a  bha 
aig  muinntir  na  Gaidhealtachd.  Tha  an  droch 
ghalair  so  daonnan  na's  gabhailtiche  agus  na's 
miosa  a'  cheud  uair  a  thig  e  do'n  tir.  A'  cheud 
uair  a  rainig  a'  bhreac  Hiort  bha  se  fichead 
duine  anns  an  eilean,  ach  m'  an  d'  fhag  i  e  cha 
robh  beo  ach  coig  teaghlaichean  ;    mu  choig 


duine  fichead  uile  gu  leir.  Thug  buidheaim 
shaighdearan  a'  bhreac  do  Bharraidh  am 
bliadhna  Chuil-fhodair  ;  thog  i  ceann  a  ris  ann 
an  1758,  is  shiubhail  tri  fichead.  Ann  an 
Gleann-eilg  an  1754  thug  i  air  falbh  seachd 
fichead  duine.  Shiubhail  corr  is  ceud  leatha 
ann  an  eilean  Bhod  an  1768.  Ann  an  1756 
ghabh  coig  fichead  's  a  coig  i  ann  an  Tiriodh, 
eadar  clann  agus  daoine  a  thainig  gu  aois, 
ach  bha  e  air  a  radh  nach  tainig  gin  dhiubh 
bhuaith. 

An  uair  a  thoisich  na  dotairean  air  daoine  a 
dhion  o'n  bhric  le  bhi  a'  cur  breac-a-chruidh 
air  an  gairdean  le  snathaid  fhuair  an  galair 
uamhasach  so  a'  bhuille-bhais.  B'e  lighiche 
d'  am  b'  ainm  Mac  Asgaill  a'  cheud  fhear  a 
thoisich  air  a'  bhric  a  chur  anns  an  eilean 
Sgitheanach.  Chuir  e  i  air  tri  cheud  duine  ann 
an  aon  bhliadhna,  is  cha  do  shiubhail  dhiubh 
ach  triuir. 

Air  uairean  chi  thu  sanas  anns  na  paipearan- 
naidheachd  o  dhaoine  a  tha  ag  iarraidh  coin  ri 
cheannach,  agus  gle  thric  tha  e  air  a  radh  anns 
an  t-sanas,  gu'm  feum  an  cii  a  bhi  air  galair- 
nan-con  a  ghabhail  cheana.  Anns  na  h-amanna 
ud,  an  uair  a  bhiodh  maighstir  ag  iarraidh 
gille  no  searbhanta,  dh'  fhoighnicheadh  e 
dhiubh  an  do  ghabh  iad  a'  bhreac. 

Buidheachas,  ma  ta,  do  na  lighichean,  agus 
gu  sonraichte  do  Eideard  lenner,  a  dh'  fhogair 
as  an  duthaich  an  galair  uamhasach  so  ;  tha 
beannachd  Dhe  agus  dhaoine  aca  air  a  shon. 
lenner,  Pasteur,  agus  Lister,  sin  agad  triiiir 
dhaoine  a  chuir  comain  as  mo  air  an  t-saoghal 
na  ghabhas  innseadh  ;  daoine  a  bu  choir  a  bhi 
air  an  ainmeachadh  ann  an  urnuighean-bhuidh- 
eachais  na  h-eaglais,  agus  ann  an  leabhraichean- 
sgoile  na  cloinne  mar  dhaoine  a  fhuair  gliocas 
agus  eolas  o  Dhia,  agus  a  choisrig  an  t-eolas 
agus  an  gliocas  a  fhuair  iad  do  sheirbhis  a' 
chinne-daonna. 

Bha  an  cunntas  a  sgriobh  Iain  Walker  air 
cor  spioradail  na  Gaidhealtachd  air  a  chur  air 
beulaibh  an  t-Seanaidh  ann  an  1765,  is  dh' 
aithn  an  Seanadh  gu'm  biodh  e  air  a  ghleidheadh 
gu  curamach  ann  am  leabhraichean  an  t-Sean- 
aidh.  Bha  an  aithne  cheudna  air  a  toirt  mu'n 
ath  chunntas  a  chuir  e  air  beulaibh  an  t-Sean- 
aidh  ann  an  1772,  is  gabhaidh  iad  le  cheile 
faotainn  an  diugh.  Ach  chaidh  an  cunntas  a 
thug  e  do'n  Chriin  air  chall  ann  an  Lunnainn, 
far  an  robh  e  air  a  chur  la  baillidhean  an  righ, 
an  deidh  dha  a  bhi  'n  an  lamhan  fein  an  toiseach. 

An  deidh  a  bhais  bha  paipearan  a  dh'  fhag  e 
criochnaichte  ann  an  dasc  air  an  cur  a  mach 
ann  an  leabhar,  agus  sin  an  leabhar  ris  an  abrar 
a  nis  "  Cunntas  Iain  Walker  air  tuathanachd 
na  Gaidhealtachd."  Chan  'eil  teagamh  nach  e 
lethbhreac  a  tha  anns  an  leabhar  so  de'n 
Chunntas  a  thug  e  do'n  Chrim. 

Chan  'eil  dad  a  bhuineas  do  f  hearann  agus  do 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


oibreachadh  fearainn  nach  'eil  e  a'  bruidhinn 
air,  oir  b'e  sud  an  linn  anns  an  do  dhiiisg  tigh- 
earnan  agus  tuathanaich  as  an  cadal,  agus  an 
do  thoisich  iad  air  innealan  iira  agus  doighean 
iira  a  chleachdadh  ann  an  oibreachadh  a' 
ghruinnd.  Gun  iomradh  a  dheanamh  ach  air 
aon  rud,  rinn  an  crann  iaruinn  barrachd 
atharrachaidh  air  tuathanachd  na  diithcha  ann 
am  beagan  bhliadhnachan  na  rinneadh  ann  an 
da  cheud  bliadhna  roimh  sin.  Ann  an  laithean 
a'  chroinn-mhaide  theagamh  gu'm  faiceadh  tu 
air  achadh  (gu  sonraichte  ma's  e  riasg  a  bha 
iad  a'  treabhadh)  ceithir  eich  ann  an  crann 
agus  seisear  dhaoine  uime ;  fear  eadar na  spagan, 
fear  a'  cumail  a'  choltair,  fear  agus  caibe  aige 
a  thionndadh  na  sgrioba  nach  do  leag  an  crann, 
fear  a'  stiiiireadh  nan  each  agus  fear  eile  a' 
gabhail  dhaibh  le  cuip  no  le  stamh,  is  piobaire 
a'  falbh  air  thoiseach  orra,  a  chur  smuais  anns 
a'  chuideachd  agus  anns  na  h-eich.. 

Tha  Iain  Walker  ag  radh  aon  ni  mu  bhuntata 
as  nach  'eil  mi  cinnteach  gu  bheil  e  ceart. 
Tha  e  aa;  radh  nach  'eil  am  buntata  a  tha  air 


a  leasachadh  le  feamain  cho  tioram  ris  a' 
bhuntata  a  tha  air  a  leasachadh  le  innear. 
Bhiodh  so  furasda  gu  leoir  fheuchainn  agus  a 
dhearbhadh,  ach  a  reir  m'  fhiosrachaidh  fein, 
chan  ann  ann  an  talamh  dearg  no  air  a  leasach- 
adh le  innear  a  dh'  f  has  am  buntata  a  bu  tiorma 
agus  a  b'  f  hearr  bias  a  fhuair  mi  riamh,  ach  ann 
an  talamh  aotrum  gainmhich  air  a  leasachadh 
le  feamainn. 

Bha  Iain  Walker  'n  a  dhuine  foghluimte. 
Rinneadh  Ard  Fhear-teagaisg  dheth  an  1779, 
an  Oilthigh  Dhun-eideann,  a  theagasg  mu 
oibrichean  agus  mu  chreutairean  a'  chruth- 
achaidh.  Bha  e  aig  an  am  'n  a  mhinistear  ann 
am  Moffat,  is  chiim  e  air  anns  an  da  dhreuchd, 
ach  bha  a'  Chleir  de'n  bheachd  nach  robh  e 
laghail  dha  sin  a  dheanamh.  Rainig  a'  chuis 
an  Seanadh,  ach  chaidh  an  Seanadh  an  aghaidh 
na  Cleire.  An  iiine  ghoirid  fhuair  e  gairm  do 
Chohnton,  sgir  a  bu  dluithe  do  Dhun-eideann 
na  Moffat. 

Bha  a  'n  a  Mhoderator  air  an  Ard  Sheanadh 
ann  an  1790,  is  shiubhail  e  ann  an  1803. 


Aig  an  Uinneig 


An  fheadhainn  nach  maireann 

BHA  mi  duilich  fhaicinn  air  a'  mhios  a  chaidh 
seachad  gu'n  do  shiubhail  dithis  mhinis- 
tearan  air  an  robh  mi  gu  maith  eolach,  Calum 
Mac  Fhionghuin,  a  bha  am  Breadhaig,  an 
Arain,  agus  Iain  Mac-an-Aba,  a  bha  ann  an 
Sgibinnis,  an  Cinn-tire.  Cha  do  rinn  gin  de'n 
dithis  ainm  dha  fein  ann  an  obair  na  h-eaglais, 
is  theagamh  nach  d'  fheuch  iad  ris,  oir  b'  aithne 
dhaibh  le  cheile  an  saoghal  a  ghabhail  gu  reidh, 
ach  air  a  shon  sin  bha  iad  'n  an  daoine  laghach 
ionraic  air  an  robh  meas  na  bu  mho  aig  cuid 
d'am  braithrean  na  bha  aca  ma  dh'  fhaoidte  air 
ministearan  a  b'  f hearr. 

Cha  robh  Calum  Mac  Fhionghuin  gu  nadurra 
cho  geur  ri  Iain  Mac-an-Aba,  ach  leis  na 
buadhan  a  bha  aige  choimhlion  e  dreuchd  na 
ministrealachd  ann  an  sith  agus  am  fabhar  a 
choimhearsnach  anns  na  tri  sgirean  anns  an  do 
shaothraich  e  ;  an  Ceann  Loch  Speilbhaidh  am 
Muile  ;  am  Farr,  an  Cataibh  ;  am  Breadhaig, 
an  Arain.  Ged  bha  e  car  tioram  anns  a'  chiibaid 
bha  e  anabarach  seanchasach  ri  taobh  an  teine  ; 
socrach  agus  uasal  'n  a  nadur,  gun  farmad  aige 
ri  duine  beo.  Bu  bhrathair  e  do  Sheumas  Mac 
Fhionghuin,  a  bha  fada  'n  a  mhinistear  an  Cill 
Daltan,  An  He. 

Thug  Dia  talantan  do  Iain  Mac-an-Aba  a  dh' 
fhaodadh  a  chur  'na  shuidhe  am  measg  aith- 
richean  na  h-eaglais,  ach  cha  d'  thug  e  dha  toil 
laidir,  no  sgoinn,  no  gliocas  saoghalta,  agus  gun 
tomhas   de   na   nithean   sin   chan    'eil   moran 


tairbhe  anns  na  talantan  as  motha.  Ach 
theagamh  gur  e  a  bhi  'n  a  shuidhe  am  measg 
aithrichean  na  h-eaglais  an  rud  mu  dheireadh 
air  an  t-saoghal  a  dh'  iarradh  Iain  Mac-an-Aba ; 
b'  f hearr  leis  fada  cian  a  bhi  comhla  ris  na 
balaich  bheaga,  oir  bha  nadur  a'  bhalaich  ann 
is  bha  doighean  nam  balach  aige  uile  laithean  a 
bheatha.  Cha  d'  f  has  e  suas  riamh  gu  ire  duine, 
ach  ged  a  dh'  f  haodas  sin  a  bhi  'n  a  f  habhar  anns 
an  t-saoghal  eile  bha  e  'na  aghaidh  anns  an 
t-saoghal  so,  agus  a  dh'  aindeoin  nam  buadhan 
a  bha  aige  chan  urrainnear  a  radh  gu'n  do  chuir 
e  gu  buil  mhaith  iad. 

Dh'  fhaodadh  e  a  bhi  'na  sgoilear  maith,  'na 
shearmonaiche  maith,  'na  bhard  maith,  agus 
'n  a  sgriobhaiche  maith,  ach  cha  b'  urrainn  dha 
inntinn  a  shocruchadh  fada  air  rud  air  bith,  is ' 
b'  f hearr  leis  a  bhi  a'  deanamh  obair  dhaoine 
eile  na  bhi  a'  deanamh  na  h-oibre  dhligheach  a 
bhuineadh  dha  fein.  Na'm  faigheadh  e  duine 
a  dheanadh  seanchas  ris  chuireadh  e  seachad 
an  la  a'  bruidhinn  agus  ag  innseadh  naidheachd 
agus  a'  smogadh,  is  thigeadh  an  oidhche  agus 
gun  dad  deanta.  Chan  'eil  an  seorsa  dhaoine 
so  tearc  idir  anns  a'  Ghaidhealtachd  agus  anns 
na  h-Eileanan. 

Ach  bha  e  'n  a  dhuine  laghach,  iriosal ;  gun 
gho  ann,  no  cron  do  dhuine  eile  ;  coibhneil  'n  a 
nadur,  agus  cho  iochdmhor  ri  truaghain  's  gu'm 
b'  fhearr  leis  dol  as  an  t-sealladh  mur  robh 
tasdan  aige  a  bheireadh  e  dhaibh,  mar  is  trie 
nach  robh.     Bha  Iain  Mac-an-Aba  cho  suarach 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


mu  na  tasdain  's  a  bha  e  mu'n  uaireadair  ;  cha 
robh  suim  air  bith  aige  do  airgiod  no  do  thim. 

Ma  tha  iad  ann,  chan  aithne  dhomhsa  duine 
eile  ann  an  Albainn  aig  a  bheil  ealdhain  as 
f  hearr  na  bha  aig  Iain  Mac-an-Aba  air  bardachd 
Bheurla  a  thionndadh  gu  Gaidhlig.  Ach  cha 
robh  e  furasda  obair  f  haotainn  as  a  lamhan. 

Bha  e  bliadhnachan  'n  a  mhissionaraidh  am 
Braigh  Loch  Abar  m'an  do  shuidhicheadh  e  mar 
mhinistear-sgire  an  Sgibinnis. 

Ro-churam  mu'n  chorp 

Tha  ro-chiiram  dhaoine  mu'n  chorp  'g  a 
nochdadh  fein  ann  an  iomadh  doigh,  ach  anns 
na  laithean  so  tha  e  'g  a  nochdadh  fein  anns  an 
eagal  a  tha  orra  gu'm  faod  iad  a  bhi  air  am 
marbhadh  le  bomb  a  soitheach-adhair.  Ach 
chan  e  mhain  nach  'eil  e  maith  gu'n  sgaoileadh 
an  t-eagal  sin  air  feadh  na  rioghachd,  ach  tha  e 
dona  dhuinn  eagal  leibideach  de  'n  t-seorsa  sin 
a  leigeil  a  steach  d'  ar  cridheachan.  Co  thusa 
no  mise  ged  a  bhitheamaid  air  ar  marbhadh  le 
bomb  ?  Tha  daoine  as  fhearr  na  sinn  ann  an 
cunnart  a  tha  deich  mile  uair  na's  mo  tha,  ach 
cha  teich  iad  agus  cha^hearain  iad.  Car  son  a 
bhitheamaid  sinne  a'  milleadh  misneach  na 
rioghachd,  ag  ochanaich  mu  nithean  a  dh' 
f  haodas  tachairt  ?  Cha  tig  am  bas  air  duine 
ach  aon  uair  co  dhiu,  is  b'  fhearr  do  dhuine  a 
bhi  marbh  seach  a  bhi  a'  smuaineachadh  gun 
sgur  air  a  liughad  doigh  air  am  faod  am  bas 
tighinn  chuige.  An  uair  a  thoisicheas  daoine 
air  eagal  a  ghabhail,  no  ro-chiiram  m'  am 
beatha,  chan  'eil  ceann  no  crioch  aig  na  tru- 
aighean  a  bheir  iad  orra  fein,  agus  na  sluic 
chreadha  anns  an  tuit  iad.  An  aite  an  inn- 
tinnean  a  thoirt  thairis  do  nithean  a  tha 
urramach  agus  feumail  bithidh  iad  fad  an  la  fo 
eagal  agus  fo  smaig  aig  bombs  no  aig  germs  ; 
na  bombs  a  thig  orra  as  an  adhar,  no  na  germs 
a  dh'  fhaodas  meuran  a'  phosta  fhagail  air  na 
litrichean  aca,  no  a  dh'  fhaodas  biiidsearan,  is 
fuineadairean,  is  cuileagan,  a  chur  'n  am  biadh. 
Fasaidh  iad  usaideach  mu'n  bhiadh  fein,  c'  uin 
a  ghabhas  iad  e,  agus  ciamar  a  chagnas  iad  e, 
gus  mu  dheireadh  a  bheil  am  bru  agus  am 
beatha  'n  an  mle  smuaintean  agus  nach  'eil  Dia 
ann  an  gin  dhiubh.  Mar  is  lugha  a  smuainicheas 
duine  air  a  chorp,  no  air  a  bhea:tha,  no  air 
bombs  a  dh'  fhaodas  a  bheatha  a  thoirt  bhuaith, 
is  ann  as  fhearr.  "  Na  hitheadh  ro-chitram  oirbh 
mu  'ur  beatha,"  tha  Criosd  ag  radh,  "  ciod  a  dh' 
itheas  no  a  dh'  bias  sibh  ;  no  mu  'ur  carp,  ciod  a 
chuireas  sibh  umaibh.  Nach  mb  a'  bheatha  na  am 
biadh,  agus  an  corp  na  'n  t-aodach  ? 

An  t-Urramach  Tormod  Laing 

Ged  nach  robh  Tormod  Laing,  ministear 
Steiseil  anns  an  eilean  Sgitheanach,  'na  fhior 


sheann  duine  (tri  fichead  's  a  ceithir  deug)  bha 
coslas  na  h-aoise  air  o  chionn  bhliadhnachan,  is 
bha  e  riamh  trom  agus  bog  'na  phearsa.  Ach 
tha  mi  an  diiil  gu'n  do  lean  e  air  obair  gus  an 
do  shiubhail  e  ;  co  dhiu  cha  chuala  mi  gu'n  do 
leig  e  dheth  a  dhreuchd. 

Rugadh  e  an  Uidhist  a  Tuath  ;  bha  e  air 
oileanachadh  an  Oilthigh  Ghlaschu,  agus  air  a 
shuidheachadh  an  Truimisgearraidh  an  1904, 
aig  aois  a  bu  shine  na  bhios  ministearan 
am  bitheantas  a'  toiseachadh.  Ann  an  1912 
chaidh  e  do  Bharbhas  ann  an  Leodhus,  ach 
dh'  fhag  e  Leodhus.  ann  an  1924,  is  chaidh  e 
do  Steiseal,  far  an  do  chuir  e  seachad  an  corr 
d'a  laithean. 

Rinn  Dia  Toi'mod  Laing  ann  am  molldair  dha 
fein ;  cha  robh  e  coltach  ri  daoine  eile  no  ri 
ministearan  eile  ann  an  ceum  air  bith,  ach  mur 
do  rinn  e  seirbhis  mhor  no  mhaith  anns  an 
eaglais,  cha  d'  fhuair  e  riamh  a  bheag  de  choth- 
rom,  oir  thilgeadh  a  chrannchur  ann  an  sgirean 
far  nach  robh  moran  feuma  air  a  shaothair,  agus 
far  nach  robh  an  sluagh  deas  gu  gabhail  ris  mar 
bhrathair  no  mar  mhinistear.  Ged  bhiodh  am 
ministear-sgire  a  rachadh  do  Bharbhas  na  b' 
fhearr  agus  na  bu  choltaiche  ri  ministearan  eile 
na  bha  Tormod  Laing  chuireadh  e  dearbhadh 
air  a  ghliocas  agus  air  a  dhiadhaidheachd  agus 
air  f haidhidinn  e  fein  a  ghiiilan  gu  neo-choireach 
am  measg  dhaoine  a  bha  coimheach  ris,  agus 
aig  nach  robh  baigh  ris  fein  no  ris  an  eaglais 
d'  am  buineadh  e.  Cha  robh  Tormod  Laing 
riamh  ann  an  sgir  ach  sgir  anns  an  robh  eaglais 
na  h-Alba  fuar  agus  fasail ;  ged  rachadh  Tormod 
eile,  a  b'  fhearr  agus  a  bu  chomasaiche  na  e,  do 
Bharbhas,  Tormod  Mor  Mac  Leoid,  cha  bhiodh 
ann  ach  guth  ag  eigheach  ann  an  Gasa. 

Fad  iomadh  bliadhna  bha  mise  an  dtiil  gur 
ann  as  an  eaglais  Shaoir,  no  as  an  eaglais  Shaoir 
Chleireachail,  a  thainig  Tormod  Laing  do 
eaglais  na  h-Alba,  ach  thubhairt  duine-eigin 
rium  o  chionn  ghoirid  gu  robh  mi  cearr  ;  gu'n 
do  thogadh  agus  gu'n  do  theagaisgeadh  e  ann 
an  eaglais  na  h-Alba. 

Ach  is  e  a  thug  orm  am  beachd  cearr  ud  a 
ghabhail  'n  am  cheann,  gu  robh  rud-eigin  'n  a 
choslas,  agus  'na  bhruidhinn,  agus  'na  dhoigh- 
ean,  nach  fhaca  mi  riamh  ann  am  ministear  eile, 
is  thainig  e  'n  am  inntinn  nach  b'  ann  de  stoc 
na  h-eaglais  againne  e  idir. 

Bha  e  'na  dhuine  geur,  agus  anabarrach 
eolach  anns  an  Sgriobtur  ;  air  uairean  anns  a' 
chiibaid  dh'  abradh  e  rudan  a  b'  fhearr  agus  a 
bu  doimhne  na  gheibheadh  tu  o  dhiadhairean 
agus  o  sgoilearan  a  b'  fhearr,  ach  air  uairean 
eile  dh'  abradh  e  rudan  neonach  agus  sgaiteach 
a  b'  fhearr  dha  a  chumail  air  fein.  Duine  geur, 
neo-eisiomaileach  'n  a  chainnt  agus  'n  a  smuain- 
eachadh, duine  nach  robh  coltach  ri  daoine  eile, 
agus  a  bha  air  a  dhealbh  ann  am  molldair  dha 
fein,  b'e  sin  Tormod  Laing. 


Aireamh   12 


939 


Tiodhlac  na  NoUaige 


"  Binneadh  am  Facal  'm  afhebil,  agus  ghabh  e  cdmhnuidh  'n  ar  measg-ne." — Eoin  i.  14. 


IS  e  tiodhlac  na  Nollaige  am  Facal  siorruidh 
a  bha  air  fhoillseachadh  anns  an  fheoil.  "  Is 
ann  mar  so  a  ghradhaich  Dia  an  saoghal,  gu'n 
d'  thug  e  aon-ghin  Mhic  fein,  chum  agus  ge 
b'e  neach  a  chreideas  ann,  nach  sgriosar  e,  ach 
gu'm  bi  a'  bheatha  shiorruidh  aige." 

Tha  an  NoUaig  agus  na  nithean  iongantach 
a  tha  i  a'  cumail  air  chuimhne  ag  innseadh 
dhuinn  as  tir  gur  e  ceud  thoiseach  an  t-soisgeil 
an  tiodhlac  a  thug  Dia  do 'n  t-saoghal  ann  am 
Mac  a  ghraidh.  Chan  e  sinne  a  rainig  air  Dia, 
no  a  lorgaich  e  le  oidhirp  ar  n-inntinn  fein,  ach 
Dia  a  chrom  chugainne  agus  a  dh'  fhoillsich  e 
fein  dhuinn  ann  am  beatha  losa. 

Theagamh  nach  'eil  e  furasda  dhuinn  an 
daimh  a  bha  eadar  Dia  agus  losa  a  thuigsinn, 
ach  CO  dhiu  bu  choir  dhuinn  greim  daingean  a 
dheanamh  air  an  fhirinn  so,  gur  e  Dia  an  t- 
Athair  iighdar  ar  slainte,  agus  gur  tiodhlac  o 
Dhia  a  tha  ann  an  losa  Criosd. 

Cha  b'e  tiodhlac  suarach  a  thug  Dia  do'n 
t-saoghal,  no  tiodhlac  nach  do  chosd  dad  dha  ; 
thug  e  seachad  e  fein,  oir  bha  Dia  ann  an  Criosd, 
air  fhoillseachadh  anns  an  fheoil.  Is  e  so  a 
tha  na  h-abstoil  uile  a'  ciallachadh  le  gras  Dhe. 
Ann  an  gras  Dhe  chunnaic  iad  an  tobar  as  an 
d'  eirich  uile  obair  na  slainte.  B'e  breith,  agus 
beatha,  agus  bas,  agus  teagasg,  agus  nadur 
daonna  an  t-Slanuigheir,  na  meadhonan  leis  an 
robh  an  gras  sin  air  a  nochdadh  do'n  t-saoghal, 
ach  is  e  gradh  an  Athar  shiorruidh  an  tobar 
as  a  bheil  an  gras  a'  sruthadh.- 

Oidhirp  Mhic  an  duine 

Anns  an  linn  so  chan  'eil  aon  fhirinn  eile  as 
mo  a  fhuair  greim  air  inntinnean  dhaoine  na 
gur  e  oidhirp  mhic  an  duine  a  choisinn  dhuinn 
gach  ni  maith  a  tha  sinn  a'  sealbhachadh, 
aimsireil  no  spioradail.  Their  moran  dhaoine 
nach  'eil  anns  gach  seorsa  creidimh  agus 
crabhaidh  a  tha  air  an  t-saoghal  ach  rann- 
sachadh  inntinn  mhic  an  duine  a'  feuchainn 
ri  coinneachadh  ri  Dia.  Ann  an  aon  seagh  tha 
sin  fior,  oir  mur  biodh  an  duine  a'  feuchainn  ri 
coinneachadh  ri  Dia  cha  bhiodh  feum  air  bith 
ann  do  Dhia  e  fein  fhoillseachadh  dha.  Ach 
ann  an  seagh  eile  chan  'eil  e  fior  idir,  co  dhiu  a 
thaobh  a'  chreidimh  Chriosduidh,  oir  chan  ann 
air  oidhirp  no  rannsachadh  mhic  an  duine  a  tha 
an  Tiomnadh  Nuadh  a'  deanamh  luaidh  ach 
air  gras  Dhe,  agus  foillseachadh  Dhe,  agus  an 
tiodhlac  a  thug  Dia  do'n  t-saoghal  an  uair  a 


chuir  e  mac  a  ghraidh  gu  bhi  air  a  bhreith  ann 
an  staid  iosal  ann  am  Betlehem. 

Chan  e  sinne  a  rinn  an  soisgeul,  ach  Dia  a  thug 
dhuinn  e,  agus  thug  e  dhuinn  e  le  e-fein  fhoill- 
seachadh anns  an  fheoil  ;  chan  ann  idir  ann 
am  briathran,  no  ann  an  creud,  ach  anns  an 
fheoil.  Agus  is  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  am 
foillseachadh  a  rinn  Dia  air  fein  neo-mhearachd- 
ach  agus  fior  gu  siorruidh.  Faodaidh  an  rud 
a  chuirear  anns  a'  chreud  a  bhi  cearr,  oir  is  e 
mac  duine  a  chuir  ann  e,  ach  bha,  agus  tha, 
agus  bithidh,  am  foillseachadh  a  rinn  Dia  air 
fein  anns  an  fheoil  fior. 

An  teagasg  as  fhearr 

Tha  mi  an  duil  nach  'eil  e  chum  moran  feuma 
gu'm  biodh  parantan  ag  iarraidh  air  an  cloinn, 
no  ministearan  ag  iarraidh  air  an  t-sluagh,  Dia 
a  ghradhachadh  le  'n  uile  chridhe,  agus  gu'm 
biodh  e  moran  na  bu  bhuannachdaile  dhaibh 
a  bhi  ag  innseadh  dhaibh  mu'n  ghradh  iongan- 
tach leis  an  do  ghradhaich  Dia  iadsan.  Is  e 
sin  an  doigh  a  ghabh  losa  air  Dia  fhoillseachadh. 

Mur  bheil  gradh  aig  daoine  do  Dhia  is  e  an 
t-aobhar  nach  aithne  dhaibh  e,  agus  nach  do 
thuig  iad  an  gradh  a  tha  aig  Dia  dhaibh-san. 
Faodaidh  e  bhith  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  gu 
bheil  gean-maith  aig  Dia  ris  an  t-saoghal  mar 
obair  a  laimhe,  no  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  'n 
a  ghradh  anns  an  doigh  f  huar  anns  a  bheil  sinn 
a'  creidsinn  nithean  a  leugh  sinn,  ach  chan  'eil 
iad  'g  a  chreidsinn  anns  an  doigh  bheo  anns  an 
leum  cridhe  paisde  le  moit  an  uair  a  bheir 
'athair  tiodhlac  dha  air  la  Nollaige. 

Sin  an  doigh  anns  am  bu  mhaith  dhuinn  uile 
gu'n  leumadh  ar  cridhe  le  moit  ri  soisgeul  na 
Nollaige,  agus  ris  an  tiodhlac  phriseil  a  thug 
Dia  do'n  t-saoghal  'n  a  mhac.  Is  e  sgeul 
aoibhneach  a  tha  anns  an  t-soisgeul,  agus  bu 
choir  dhaibhsan  a  tha  'g  a  theagasg,  co  dhiu 
a  tha  e  air  a  theagasg  anns  an  dachaidh,  no 
anns  an  sgoil,  no  anns  a'  chubaid,  feuchainn 
ri  maise  agus  uaisle  Dhe  a  nochdadh,  agus 
gradh  Dhe  ardachadh  anns  gach  doigh  a 
cheadaicheas  an  eolas  dhaibh.  Mur  dean 
luchd-teagaisg  sin,  is  coma  dhaibh  fein,  no  d'an 
luchd-eisdeachd,  ciod  a  their  iad  air  cuspairean 
eile,  oir  ma  tha  daoine  ag  altrum  smuaintean 
cearr  mu  thimchioll  Dhe  tha  iad  air  seachran 
anns  an  ni  as  prionnspalaiche  anns  a'  bheatha 
spioradail. 

Tha  Dia  na's  naaisiche  na  gu'n  gabh  a  mhaise 


2 


TIODHLAC  NA  NOLLAIGE— ANNS  A'  CHATHAIR 


innseadh,  ach  na'm  b'  urrainn  do  theachdairean 
an  t-soisgeil  eadhon  earlais  bheag  d'a  mhaise 
innseadh  thogadh  na  miltean  an  guth,  is 
theireadh  iad,  "  Eiridh  mi,  agus  theid  mi  a 
dh'  ionnsuidh  m'  athar." 


A  h-uile  neach  a  tha  a'  cur  twdklac  Dhe  an 
suarachas  tha  e  a'  meudachadh  bron  Dhe,  agus 
a'  cur  an  suarachas  an  ni  as  maisiche  agus  as 
iongantaiche  air  an  cuala  daoine  no  ainglean 
Sffeul. 


Anns  a'  Chathair 


CIOD  an  seorsa  dhaoine  as  fhiach  am  moladh 
OS  cionn  chaich  ?  Ghabhadh  a'  cheist  sin 
freagairt  an  iomadh  doigh,  is  theagamh  gu'm 
biodh  na  freagairtean  uile  fior  ann  an  tomhas, 
ach  is  e  na  daoine  a  chuirinn-sa  os  cionn  chaich 
daonnan,  daoine  a  dheanadh  gniomh  gaisgeil 
ann  am  fuil  f huar. 

Tha  daoine  ann  a  tha  gealtach  gu  nadurra 
agus  le  comhairle  shuidhichte  ;  sin  agad  seot- 
achan  an  t-sluaigh.  Ach  tha  daoine  eile  ann 
a  tha  gaisgeil  gu  nadurra  agus  le  comhairle  an 
cridhe  fein ;  sin  agad  maithean  agus  prionns- 
achan  an  t-sluaigh. 


Bu  mhaith  learn,  ma  ta,  naidheachd  innseadh 
air  an  duilleig  so  mu  ghniomh  gaisgeil  a  bha  air 
a  dheanamh  air  a'  mheadhon-oidhche  agus  ann 
am  fuil  fhuar  le  duine  a  tha  fhathast  beo,  duine 
nach  ruigeadh  a  leas  a  dheanamh  idir  mur  b'  e 
gu  robh  uaisle  agus  gaisgealachd  naduri*a  'n  a 
chridhe. 

Bha  e  a'  fuireach  dliith  do'n  chladach,  cladach 
cunnartach  air  am  biodh  soithichean  gu  trie  a' 
dol  air  tir.  Oidhche  shonraichte  ann  an  deir- 
eadh  October,  agus  an  stoirm  ann  fad  an  latha, 
bha  nuallanaich  a'  chladaich  cho  laidir  's  gu'n 
deachaidh  e  sios  a  dh'  ionnsuidh  a'  chladaich  aig 
aon  uair  deug  a  ghabhail  seallaidh  air  a'  chuan. 
Ann  an  solus  na  gealaich  chitheadh  e  an  f  hairge 
a'  briseadh  'n  a  caoraibh  geala  air  sgeirean  a 
bha  mu  mhile  bho  thir  ;  far  an  robh  na  tonnan 
a'  bualadh  air  na  creagan  aig  a  chasan  bha  ruith 
laidir  air  a'  chladach. 

Sheas  e  tacan  ag  eisdeachd  ri  glaodhaich  a' 
chuain  agus  a'  sealltuinn  air  na  h-uisgeachan  a 
bha  a'  dol  thairis  air  na  sgeirean,  agus  an  sin 
thionndaidh  e  a  dhol  dhachaidh,  ach  anns  an 
tionndadh  a  bha  aige,  cluinnear  o'n  mhuir 
glaodh  duine  'n  a  eiginn.  An  uair  a  dhearc  e 
gu  geur  air  an  aite  as  an  tainig  an  glaodh  faicear 
ann  an  solus  na  gealaich  duradan  dubh  mar 
gu'm  biodh  e  a'  snamh,  duradan  a  bha  a'  dol 
as  an  t-sealladh  an  drasd  's  a  ris,  ach  uair  a 
bha  an  snamhaiche  air  a  thogail  gu  h-ard  air 
cirean  stuaidhe  chunnaic  am  fear  a  bha  air  tir 
gairdean  an  t-snamhaiche  air  a  thogail  os  cionn 
a  chinn,  agus  chual  e  an  glaodh-eiginn  a  ris  os 
cionn  gairich  na  mar  a. 

Sheas  an  duine  an  f  hicheadamh  cuid  de  leth- 
mionaid  mar  gu'n  stadadh  a  chridhe  agus  mar 
gu'n  do  chaill  e  a  thoinisg,  gun  fhios  aige  ciod  a 
dheanadh  e.  Bha  an  f  hairge  uamhasach :  bha  an 


snamhaiche  ceithir  cheud  slat  o  thir  ;  is  bha  an 
oidhche  agus  an  f hairge  fuar.  A  thuilleadh  air 
sin  cha  robh  creutair  beo  dliith  a  bheireadh 
cuideachadh  dha  fein  na'm  biodh  feum  aige  air 
cobhair,  no  na'm  failnicheadh  a  neart,  rud  a  bha 
gle  choltach. 

Leum  sin  uile  'na  inntinn  ;  leum  e  'n  a  inn- 
tinn  gu'n  cuireadh  ruith  eagallach  a'  chladaich 
an  t-eanchainn  asda  le  cheile  ris  na  creagan, 
ach  cha  luaithe  a  leum  na  rainig  an  g'laodh-bais 
ud  a  chluas  a  ris,  agus  an  sin  gun  an  corr  uime 
thilg  e  dheth  a  h-uile  stiall  d'a  aodach,  agus  le 
roid  leum  e  a  mach  air  a'  mhuir. 

Bha  e  'n  a  shnamhaiche  maith,  ach  bha  e 
duilich  dha  dol  an  aghaidh  na  droch  fhairge  a 
bha  air  a'  chladach,  is  bha  e  air  bheul  toirt 
thairis  an  uair  a  rainig  e  mar  fhichead  slat  do'n 
duradan  dhubh  a  bha  ag  eirigh  agus  a'  dol  as 
an  t-sealladh  air  uchd  nan  tonn. 

Gus  an  robh  e  mar  dheich  slatan  dha  bha  e 
a'  cluinntinn  a'  ghlaoidh,  is  bha  e  cinnteach  gu 
robh  an  duine  an  eiginn-bais,  ach  an  uair  a  bha 
e  aige,  chunnaic  e  nach  e  duine  a  bha  ann  idir 
ach  bun-craoibhe  ris  an  robh  bad  feamann  an 
crochadh.  A  h-uile  uair  a  thilgeadh  an  fhairge 
am  maide  cam  ud  air  taobh  shonraichte  bha  am 
bad  feamann  a'  siabadh  os  a  chionn  mar  guhn 
biodh  lamh  duine  a'  smeideadh.  Bha  faoileann 
a'  leantuinn  a'  mhaide,  a'  criomadh  na  feamann 
'nuair  a  gheibheadh  i  cothrom  seasamh  air,  ach 
a  h-uile  uair  a  rachadh  e  as  an  t-sealladh  no  a 
chailleadh  i  a  h-aite-seasaimh  bha  i  a'  toirt 
sgriach  aisde  le  droch  nadur.  Sin  an  glaodh- 
eiginn  a  bha  an  duine  a'  cluinntinn. 

Fhuair  e  a  leithid  de  bhriseadh-diiile  's  gu'n 
d'  fhag  a  neart  e,  is  b'  fheudar  dha  a  thaic  a 
leigeil  ris  a'  mhaide  'g  a  chumail  fein  an  uach- 
dar.  Bha  an  oidhche  agus  an  t-uisge  fuar, 
is  bha  a  neart  a'  fannachadh  cho  mor  's  gu'n  do 
bhuail  eagal  e  nach  ruigeadh  e  tir  gu  brath. 
Ach  direach  'nuair  a  bha  e  an  impis  a  bhi  air  a 
bhathadh  rug  stuadh  a  bu  mhotha  na  each  air, 
is  thilg  i  air  tir  e  cho  ard  os  cionn  gob  na  tuinne 
's  nach  b'  urrainn  ruith  a'  chladaich  a  tharruing 
air  ais  do'n  fhairge  a  ris. 

Bha  e  'n  a  shineadh  mar  sin  ceathramh  na 
h-uarach,  gun  chomas  eirigh  ;  aodann  air  a 
ghearradh  agus  a  shiiilean  dall  le  fhuil  fein  ; 
agus  a  h-uile  ball  'na  chorp  air  a  bhruthadh 
agus  air  chrith  leis  an  fhuachd. 

An  uair  a  chaidh  aige  air  eirigh  cha  b'  urrainn 
dha  amas  air  an  aite  anns  an  do  chuir  e  dheth 
aodach,  ach  mu  dheireadh  fhuair  e  aodach  mu 


ANNS  A'  CHATHAIR— ANAIL  AN  SPIORAID 


3 


cheathramh  a  mhile  o'n  aite  anns  an  do  thilg 
an  fhairge  aii'  tir  e  ;  thug  an  sruth  an  t-astar 
sin  air  falbh  e. 

Ach  gus  an  naidheachd  a  ghiorrachadh  dh' 
ealaidh  e  dhachaidh  gu  h-eiginneach  mu  thri 
uairean  's  a'  mhaduinn,  gun  dad  aige  air  son  a 
ghaisgealachd  ach  reite  ri  nadur  agus  ri  choguis 
fein. 


Bheireadh  e  toileachadh  dhomh  a  radh  gur 
e  Gaidheal  a  rinn  an  gniomh  uasal  agus  gaisgeil 
ud,  ach  chan  e  idir  ach  Sasunnach,  duine  a  rinn 
seirbhis  mhaith  do'n  rioghachd  so,  an  cogadh 
agus  an  sith,  am  Morair  Mottistone,  a  b'  fhearr 
a  b'  aithne  dhuinn  fo'n  ainm,  Coirneal  Iain 
Eideard  Bernard  Seely,  C.B.,  P.C,  D.S.O.,  a 
bha  air  cheann  Gnothuichean  an  Airm  anns  a' 
Pharlamaid  eadar  1912  agus  1914. 

Bu  toigh  leis  an  fhear  nach  maireann,  am 
Morair  Asquith,  daoine  gaisgeil,  is  theagamh 
gur  e  sin  an  t-aobhar  gu'n  d'thug  e  do  Choirneal 
Seely  aite  ann  an  Comhairle  an  Righ  anns  a' 
Pharlamaid,  oir  tha  mi  an  diiil  nach  robh  e  idir 
ro  mhaith  air  bruidhinn. 

Bha  Winston  Churchill  agus  Coirneal  Seely 
ann  an  Comhairle  an  Righ  aig  an  aon  am,  is 
theagamh  nach  robh  dithis  eile  innte  comhla 
riamh  a  bha  uiread  uairean  'n  am  beatha  ann 
an  ciiil  chumhainn,  ach  a  bha  air  an  saoradh  a 
cunnart  le  misneach  agus  gaisgealachd  an 
cridhe  fein.  Agus  sin  an  seorsa  dhaoine  d'  an 
dligheach  dhuit  do  bhoineid  a  chur  dhiot.*  Tha 
gliocas  saoghalta  gu  leoir  againn  uile,  ach  tha 
misneach  agus  gaisgealachd  'g  ar  dith. 

Bha  Coirneal  Seely  maith  air  muir,  air  muin 
eich,  agus  air  cheann  airm  (bha  e  'n  a  chom- 
anndair  air  saighdearan  Chanada  anns  a'  chog- 
adh  mu  dheireadh),  agus  sin  agad  tri  dearbh- 
aidhean  cho  cinnteach  's  a  ghabhas  cur  air 
misneach  mhic  an  duine  ;  marachd,  marcachd, 
agus  cogadh. 

Tha  an  leabhar  a  sgriobh  e  mu  nithean  a 
chunnaic  agus  a  dh'  fhiosraich  e  'n  a  bheatha 
Ian  de  nithean  maithe  ;  sin  an  t-aobhar  gu'n 
d'  thug  mi  tarruing  air  air  an  duilleig  so. 

Bhiodh  e  an  deidh  laimhe  a'  cur  na  ceiste  air 
fein,  an  robh  e  ceart  dha  dol  a  mach  air  a' 
mhuir  an  oidhche  ud  ?  Ge  b'e  aite  anns  an 
cuirear  a'  cheist  sin  togaidh  i  argumaid.  Their 
cuid  nach  robh  e  mar  fhiachaibh  air  a  bheatha 
a  chur  an  cunnart  air  sgath  coigrich  ;  gu'm  bu 
choir  dha  cuimhneachadh  air  a  theaghlach  fein, 
agus  fichead  rud  eile  mar  sin  anns  a  bheil  f  irinn 
agus  gliocas-saoghalta.     Ach  tha  Coirneal  Seely 


cinnteach  nach  do  rinn  e  ach  na  bu  choir  do 
dhuine  air  bith  a  dheanamh,  ma  bha  cothrom 
reusonta  aige  air  an  duine  eile  a  shabhaladh.  A 
thuilleadh  air  sin  tha  e  ag  radh  nach  biodh 
fhios  aige  gu  brath  nach  e  duine  ach  maide  a 
bha  anns  an  diiradan  dhubh  a  chunnaic  e  anns 
an  fhairge,  mur  snamhadh  e  a  mach  'g  a  ionn- 
suidh,  agus  gu'm  biodh  naire  'n  a  chridhe  gu 
brath  gu'm  faca  e  duine  'g  a  bhathadh  gun 
feuchainn  ri  shabhaladh. 

Cothrom  reusonta  !  sin  uile  a'  cheist !  Their 
an  gealtair  nach  gabh  an  rud  deanamh,  ach 
gun  reusontachd  a  chur  air  a'  mheidh,  leumaidh 
an  duine  gaisgeil  a  mach  air  a'  mhuir  agus  ni  e 
an  rud. 


Tha  am  agus  suidheachadh  ann  am  beatha  a 
h-uile  duine  anns  nach  'eil  e  glic  dha  a  chomh- 
airle  a  chur  ri  fuil  no  ri  feoil  ach  leigeil  le  comh- 
airle a  chridhe  fein  seasamh.  An  uair  a  dh' 
innis  Pol  do  sheanairean  na  h-eaglais  ann  an 
Ephesus,  agus  do  fheadhainn  eile  d'a  chairdean, 
gu  robh  e  a'  cur  roimhe  dol  gu  Jerusalem  far  an 
robh  geimhlean  agus  trioblaidean  a'  feitheamh 
air,  bha  iad  duilich  gu  robh  e  a'  dol  air  a  leithid 
de  thurus,  is  chomhairlich  iad  dha  gun  dol  ann. 
Theireadh  iad  ris  gu  robh  a  theagasg  agus  a 
riaghladh  cho  feumail  do'n  eaglais  's  nach  robh 
e  ceart  dha  a  bheatha  a  chur  an  cunnart  ;  gu 
robh  na  h-Iudhaich  an  geall  air  cur  as  dha,  agus 
gu'n  gabhadh  iad  an  cothrom  aig  am  na  feille 
ud  'nuair  a  bhiodh  am  baile  Ian.  Bha  fhios  aig 
Pol  gu  robh  sin  uile  fior,  ach  tha  e  ag  innseadh 
gu  robh  guth  diomhair  a'  labhairt  ris  'n  a 
chridhe  fein,  ag  iarraidh  air  dol  suas  gu  leru- 
salem,  agus  mar  sin  cha  d'  eisd  e  ri  gliocas 
saoghalta  dhaoine  eile,  ach  leig  e  le  comhairle  a 
chridhe  fein  seasamh  ;  is  tha  na  linntean  uile  a' 
togail  fianuis  gu  robh  Pol  ceart. 

An  uair  a  bha  losa  a'  dol  suas  gu  lerusalem 
aig  am  na  Caisge,  agus  a  dh'  innis  e  do  na 
deisciobuil  ciod  a  bha  a'  feitheamh  air,  chomh- 
airlich iad  dha  gun  dol  ann,  is  chaidh  Peadar 
thar  na  cailce  na  b'  fhaide  na  each  ag  iarraidh 
air  an  aire  a  thoirt  d'a  bheatha  agus  an  cunnart 
ud  a  sheachnadh.  Ach  leig  losa  le  comhairle 
a  chridhe  fein  seasamh,  is  chaidh  e  an  comh- 
dhail  a'  chroinn-cheusaidh  ;  gniomh  buadhmhor 
agus  gniomh  gaisgeil  as  a  bheil  aileadh-beatha 
do'n  t-saoghal  uile.  Tha  ni-eigin  neo-bhas- 
mhor  ann  an  gniomh  uasal  agus  ann  an  gniomh 
gaisgeil  ;  cuiridh  e  naire  air  na  gealtairean 
agus  air  na  mi-chreidich,  da  sheorsa  dhaoine 
anns  nach  'eil  tlachd  aig  Dia. 


Anail  an  Spioraid 


BHO  chionn  ghoirid  thug  caraid  coir  dhomh 
leabhar  beag  a  bha  air  a  sgriobhadh  mu 
mhinistear  a  bha  gle  ainmeil   'n  a  latha,  an 


t-Urramach  Donnchadh  Caimbeul  a  bha  ann 
an  Cill-Tighearn,  air  Machair  Rois.  Chan  'eil 
a  bheag  anns  an  leabhar  a  bha  uile  gu  leir  iir 


ANAIL  AN  SPIORAID 


dhomh,  ach  a  thaobh  's  gu  bheil  cuid  de  na 
seann  mhinistearan  a  bha  ainmeil  anns  a' 
Ghaidhealtachd  air  an  ainmeachadh  aim  bu 
mhaith  learn  seanchas  a  dheanarah  uime  air 
an  duilleig  so,  oir  tha  mi  cinnteach  gu'n  aon- 
taich  gach  neach  a  leughas  i  ris  an  rud  a  thuirt 
am  bard, 

Mar  g hath  greine  do  m   anamfein 
Tha  sgeul  air  na  laithean  a  dh'aom 

Is  toigh  learn  a  chluinntinn  gu  de  na  cinn- 
theagaisg  a  bhiodh  aig  na  seana  mhinistearan, 
agus  gu  de  an  teagasg  a  bhiodh  iad  a'  toirt 
asda.  Tha  miighadh  mor  eadar  an  t-seann 
fheadhainn  agus  an  fheadhainn  oga  a  thaobh 
an  doighean-teagaisg  ;  bheireadh  na  seana 
mhinistearan  bainne  agus  mil  an  t-soisgeil  a 
cinn-theagaisg  anns  nach  robh  an  soisgeul  idir, 
ach  gle  thric  cha  toir  na  ministearan  oga  ach 
connlach  thioram  a  cinn-theagaisg  a  tha  Ian 
de'n  t-soisgeul. 

Ceann-teagaisg  soisgeulach 

An  uair  a  tha  ministear  an  diugh  a'  dol  a 
dheanamh  searmon  soisgeulach,  no  a  chur 
impidh  air  daoine  a  bhi  reidh  ri  Dia,  gabhaidh 
e  ceann-teagaisg  soisgeulach  as  an  Tiomnadh 
Nuadh,  briathran  mar  so,  "  Thigibh  a'm'  ionn- 
suidh  sibhse  uile  a  tha  ri  saothair,  agus  fo  throm 
uallach,  agus  bheir  mise  suaimhneas  dhuibh," 
no  "  Is  mise  an  t-sUghe,  an  fhkinn,  agus  a 
bheatha,"  no  briathran  eile  de'n  t-seorsa  sin 
anns  a  bheil  cridhe  agus  anail  an  t-soisgeil. 

Ach  liiibhradh  na  seana  mhinistearan  sear- 
moin  shoisgeulach  o  chinn-theagaisg  anns  nach 
saoileamaid-ne  gu  robh  teachdaireachd  an 
t-soisgeil  idir.  Bhiodh  iad  a'  cur  annta  an 
aite  a  bhi  a'  toirt  asda  ;  a'  cur  annta  teagasg 
nach  robh  's  an  t-sealladh  aig  an  f  hear  a  sgriobh 
iad  idir. 

Bha  searmon  soisgeulach  aig  Donnchadh 
Caimbeul,  a  bha  air  a  bheannachadh  do  mhoran, 
air  a'  cheann-theagaisg,  "  An  ni  sin  nach 
d'  thug  mi  leam  is  eigin  dhomh  'aiseag  "  (Salm 
Ixix.  4).  Shearmonaich  e  e  anns  a'  Mhanachain, 
ann  an,Labhar,  am  Blar  Atholl,  am  Muile,  an 
Srath  Teamhail,  agus  ann  an  aitean  eile,  agus 
b'e  so  na  cinn  a  bha  aige, 

I.   Thug  Criosd  air  ais  gloir  do  Dhia 

II.   Thug  Criosd  air  ais  reite  eadar  an  duine  agus 
Dia. 

III.  Thug  Criosd  air  ais  sonas  do'n  duine. 

IV.  Thug  Criosd  air  ais  lomhaigh  Dhe  do'n  duine. 

Chan  abradh  tu  gu  robh  an  ceann-teagaisg  so 
ro  ghealltanach,  no  gu'n  do  roinn  e  e  gu  coth- 
ronaach,  ach  air  a  shon  sin  tha  e  coltach  gu  robh 
lan  searmon  anabarrach  druidhteach  agus  'n  a 
mheadhon  air  anamanna  a  chosnadh  do  Dhia. 


DomhnuUach  na  Toisigheachd 

Cha  mho  a  shaoileadh  tu  gu  robh  anail  an 
t-soisgeil  anns  a'  cheann-theagaisg  so,  "  Is  e 
d'  fhear-posda  do  Chruithear  "  (Isaiah  liv.  4), 
ach  b'e  sin  na  briathran  o'n  do  shearmonaich 
DomhnuUach  na  Toisigheachd  aon  de  na  sear- 
moin  a  bu  driiidhtiche  a  liubhair  e  riamh,  an 
searmon  a  liubhair  e  ann  an  Aird-eonaig  air 
Sabaid  comanachaidh,  agus  ann  an  aitean  eile 
cuideachd.  Lean  e  air  fad  da  uair  agus  fichead 
mionaid  a'  searmonachadh,  is  bha  a  leithid  de 
chumhachd  'n  a  bhriathran  's  gu'n  robh  a  chuid 
mhor  de'n  choimhthional  a'  gul.  Thubhairt 
maighstir-sgoil  a  bha  'ga  eisdeachd  an  la  ud 
gu'm  b'  aithne  dha  leth-cheud  duine  a  bha  air 
an  diisgadh  gu  ciiram  anama  leis  an  t-searmon 
ud  agus  air  an  iompachadh.  Anns  na  laithean 
ud  bha  anail  an  Spioraid  a'  seideadh  air  feadh 
na  diithcha  uile. 

An  uair  a  bha  Luther  air  leabaidh  a  bhais 
dh'  fhaighnich  a  bhean  dheth  an  robh  earrann 
shonraichte  anns  a'  Bhiobull  a  bu  mhaith  leis 
i  a  leughadh  dha.  "  Leugh  dhomh,"  ars 
esan,  "  an  earrann  anns  an  do  thilg  mi  m' 
acair  an  toiseach."  B'e  an  earrann  a  bha  mar 
acair  do  anam  Luther,  "  Bithidh  am  firean  beo 
tre  chreideamh."  B'e  an  ceann-teagaisg  a 
bha  'n  a  mheadhon  air  Donnchadh  Caimbeul 
iompachadh,  agus  e  bhadhna  air  fhichead  a 
dh'  aois,  "  Nach  'eil  iocshlaint  ann  an  Gilead  ? 
nach  'eil  leigh  an  sin  }  Car  son,  ma  ta,  nach 
'eil  slainte  air  a  h-aiseag  do  nighean  mo 
shluaigh-sa  "  (leremiah  viii.  22).  B'e  sin  an 
ceann-teagaisg  a  bha  aig  Raibeart  Findlater, 
agus  e  a'  searmonachadh  ann  an  Gleann 
Liomhunn. 

Triuir  Bhraithrean 

Bha  dithis  bhraithrean  aig  Donnchadh 
Caimbeul,  Daibhidh  a  bha  'n  a  mhinistear  ann 
an  Gleann  Liomhunn,  agus  Padraig  a  bha 
'n  a  mhaighstir-sgoil  ann,  is  bha  cuimhne  aig 
muinntir  Bhraghad-Albann  fad  iomadh  latha 
air  comanachadh  ann  an  Gleann  Liomhunn 
aig  an  robh  an  triiiir  bhraithean  so  comhla  ; 
Daibhidh,  ministear  a'  choimhthionail  ;  Donn- 
chadh a  bhrathair  'g  a  chiiideachadh,  is  Padraig 
air  cheann  na  seinn. 

Bha  sluagh  mor  cruinn  a  Rainneach  agus  o 
thaobh  Loch  Tatha,  agus  am  measg  na  feadh- 
nach  a  bha  cruinn  bha  athair  an  Ollaimh  W.  M. 
Mac  Griogair  agus  e  'na  bhalach  og.  Anns  an 
leabhar  bheag  chiibhraidh  so  a  sgriobh  e  an 
deidh  laimhe  mu  Dhonnchadh  Caimbeul  tha 
e  ag  radh  gu  robh  duinealachd  'na  choslas  agus 
soluimteachd  'n  a  theagasg  a  rinn  driiidheadh 
anabarrach  air  an  t-sluagh.  Tha  e  ag  innseadh 
cuideachd  gu  robh  mathair  nan  Caimbeulach 
aig  an  t-seirbhis,  agus  i  sona  a  bhi  faicinn  a 
triiiir  mhac  a'  togail  am  fianuis  air  taobh  Chriosd 
am  fianuis  chompanach  an  oige. 


ANAIL  AN  SPIORAID— AM  FOGHAR 


Cinn-theagaisg  neonach 

Anns  na  laithean  ud  cha  robh  Braghad- 
Albann  'n  a  f  hearann  cho  cruaidh  gu  spioradail 
's  a  tha  e  an  diugh,  a  ghabhail  ri  siol  an  t-sois- 
geil  ;  bha  diisgaidhean  spioradail  ann  fad 
bhliadhnachan,  is  cha  rahor  mhinistearan  sois- 
geulach  anns  a'  Ghaidhealtachd  nach  do  shear- 
monaich  ann  uair  no  uair-eigin,  o  Dhomhnullach 
na  Toisigheachd  gu  DonahnuU  Mac  Gille- 
Bhraith,  a  shiubhail  an  Cill-Mhailidh  an  1835. 
Bha  an  Domhnullach  Mor  cho  iorhraiteach  's 
gu  bheil  e  furasda  gu  leoir  fios  fhaotainn  air  na 
cinn-theagaisg  a  bhiodh  aige,  ach  ged  tha  e 
air  a  radh  gu  robh  cumhachd  an  Spioraid 
Naoimh  ann  an  searmonachadh  Mhic  Gille- 
Bhraith  agus  gu  robh  e  air  a  bheannachadh  do 
mhoran,  bhiodh  e  a'  gabhail  cinn-theagaisg 
neonach.  B'e  so  aon  dhiubh,  "  Tha  do  bhreith 
agus  do  dhiithchas  o  thir  Chanaain  ;  b'  Amorach 
d'  athair  agus  bu  bhan-Hiteach  do  mhathair  ; 
...  a  chum  gu'n  cuimhnich  thu,  agus  gu'm 
bi  naire  ort,  agus  nach  fhosgail  thu  do  bheul 
gu  brath  na's  mo  do  bhrigh  do  naire  'n  uair  a 
bhitheas  mise  reidh  riut  air  son  gach  ni  a  rinn 
thu,  deir  an  Tighearna  lehobhah  "  (Eseciel 
xvi.  3,  63).  Ciod  air  bith  a  their  thusa,  a 
leughadair,  cha  toigh  leamsa  a  bhi  a'  cluinntinn 
mhinistearan  a'  searmonachadh  air  cinn  de'n 
t-seorsa  so,  oir  feumaidh  iad  rud-eigin  nach 


'eil  annta  gu  fior  a  chur  annta  m'  an  toir  iad 
asda  dad  a  bhiodh  buannachdail  do  choimh- 
thional.  Ach  's  e  duine  maith  a  bha  ann  an 
Domhnull  Mac  Gille-Bhraith. 

Coisiche  maith 

Choisich  an  da  bhrathair  ud,  Daibhidh  agus 
Donnchadh  Caimbeul,  a  h-uile  ceum  a  Gleann 
Liomhunn  do'n  Toisigheachd  a  dh'  ionnsuidh 
nan  orduighean,  corr  agus  coig  fichead  mile, 
is  tha  e  air  a  radh  nach  do  bhlais  iad  de  bhiadh 
air  an  t-slighe  ach  aon  ghloine  leanna  am  fear 
agus  greim  arain  a  bha  aca  'n  am  pocaid. 

Liubhair  Donnchadh  Caimbeul  searmon 
ainmeil  ann  an  eaglais  Labhair  mu  bhith  agus 
mu  nadur  Dhe,  ach  a  thaobh  's  gu'n  deachaidh 
e  a  steach  ann  an  ceistean  diomhair  agus  domh- 
ain  theagamh  gu'n  abradh  cuid  a  bha  anns 
an  eisdeachd  mar  thubhairt  neach  eile  "  Cha 
ghabh  sinn  gnothuch  ri  nithibh  a  tha  ro  ard  air 
ar  son." 

Aig  am  an  Dealachaidh  dh'  fhag  Mghr 
Caimb(jul  eaglais  na  h-Alba  ach  lean  e  air  ann 
an  Cill-Tighearna  mar  mhinistear  na  h-Eaglaise 
Saoire  gus  an  do  shiubhail  e  ann  an  1873.  Tha 
e  air  a  thiodhlacadh  ri  taobh  Thomais  Hog, 
aon  de  na  seana  ghaisgich  spioradail  a  las 
coinneal  na  firinn  anns  an  Taobh  Tuath. 


Am  Foghar 


Ah-uile  la  a  dh'  eireas  sinn  tha  sinn  a' 
peacachadh  an  aghaidh  an  Tighearn  ann 
an  iomadh  doigh,  ach  tha  sinn  a'  peacachadh  gu 
sonraichte  le  bhi  a'  gearan  air  an  t-sid.  Ach 
mar  tha  an  sean-fhacal  ag  radh,  "  Chan  e  an 
la  maith  nach  tigeadh  ach  an  droch  dhuine  nach 
fanadh  ris."  Fad  an  Fhoghair  bha  sid  mhaith 
againn  am  bhadhna,  gu  sonraichte  o  mheadhon 
gu  deireadh  September,  is  tha  a  nis  barr  na 
bliadhna  anns  na  h-iodhlannan,tioram  fo  thugha 
agus  fo  shioman.  Is  bha  am  buntata  air  a 
thogail  na  bu  traithe  na  chunnaic  mi  riamh  e. 

Is  e  toradh  na  talmhainn  an  fhreagairt  a  tha 
Dia  a'  toirt  do  iirnuigh  a  chloinne,  "  Thoir 
dhuinn  ar  n-aran  lathail."  Ann  a  bhi  a'  freag- 
airt  na  h-iirnuigh  so  tha  Dia  a'  deanamh  comh- 
oibrichean  maille  ris  fein  dhinn.  Sin  mar  tha 
Dia  a'  deanamh  daonnan  ;  tha  e  a'  toirt  dhuinn 
cothrom  air  ar  n-iirnuighean  fein  a  fhreagairt 
ann  an  co-bheinn  ri  chumhachd-san.  Feumaidh 
sinne  cur  agus  buain  a  dheanamh,  ach  is  e  esan 
a  bheir  fas  agus  toradh. 

Dhaibh  arbhar  tha  thu  deasachadh 
Le  d'  fhreasdal  caomha  fein  ; 

'S  ag  uisgeachadh  le  pailteas  mor 
Nan  iomairean  gu  min. 

Do  dhaoine  a  tha  a'  fuireach  air  an  diithaich 
tha  e  na's  fhasa  cumhachd  an  Tighearn  agus 


maitheas  an  Tighearn  a  chuimhneachadh  na  tha 
e  do  mhuinntir  nam  bailtean-mora,  oir  tha 
sinne  a'  faicinn  a'  bhidh  a'  fas,  ach  dhaibhsan 
chan  'eil  ann  am  biadh  ach  rud  a  gheibhear  ann 
am  biith. 

Tha  aobhar  sonraichte  againn  am  bliadhna 
air  son  a  bhi  taingeil  do  Dhia  a  thug  barr  maith 
dhuinn,  oir  leis  a'  chogadh  uamhasach  a  tha  dol 
air  aghaidh  faodaidh  e  bhith  nach  bi  e  cho 
furasda  dhuinn  biadh  fhaotainn  a  diithchanna 
eile,  agus  gu'm  bi  feum  againn  air  na  tha  againn 
de  shiol  cruithneachd  agus  de  bhuntata. 

An  uair  a  tha  sith  anns  an  t-saoghal  tha  e 
furasda  gu  leoir  dhuinn  ar  Ion  a  tharruing  a 
ceithir  ranna  ruadh  an  domhain.  An  diugh 
fhein  chruinnicheadh  a  dh'  ionnsuidh  mo  bhiiird 
saibhreas  Chanada  agus  na  h-Eiphit,  is  rinn 
treudan  dhaoine  nach  faca  mi  riamh  frithealadh 
dhomh.  Dh'  ith  mi  measan  a  dh'  fhas  air 
craobhan  nach  do  chuir  mi,  agus  aran  nach  do 
shaothraich  mi  air  a  shon,  ach  a  bha  air  a  thoirt 
chugam  le  mic  a'  choigrich  ann  an  longan  an 
Aileanaich.  Chomh-oibrich  Russia  agus  Caro- 
lina agus  Eirinn  le  cheile  a  dheanamh  na 
tubhailte  a  tha  air  a'  bhord  ;  thainig  an  t-, 
airgiod  geal  a  tha  a'  comhdach  nan  spainnean 
agus  nan  sgeanan  a  meinean  ann  am  Mexico 
no  ann  an  Nevada  ;    chuir  Astralia  an  fheoil 


6  AILEAN  MAC  LEOID,  BEARNARAIDH-NA-HEARADH— AIG  AN  UINNEIG 


chugam,  agus  Ceylon  na  spiosraidhean  a  ni 
blasda  i  ;  shaothraich  Innseanaich  agus  Ameri- 
canaich  anns  an  teas  a  chur  reas  agus  aran- 
cruithneachd  air  a'  bhord.  Ged  tha  garradh 
agus  gliob  agam  chan  ann  as  a'  gharradh  agam 
fhein  a  thainig  na  measan  a  tha  nis  mu  m' 
choinneamh  ;  thainig  na  h-iibhlan  a  Tasmania, 
na  peuran  a  California,  na  h-oireansearan  a 
Florida,  agus  na  cnothan  a  Brazil  ;  ghiiilain 
coolies  ann  an  China  no  ann  an  Assam  teas  agus 
uallach  an  la  los  nach  bithinn  gun  tea,  agus 
shaothraich  coolies  eile  anns  an  Eiphit  agus  ann 
an  Jamaica  los  nach  bithinn  gun  siiicar  a 
dheanadh  mills  i. 

Tha  an  saoghal  uile  fodhainn  an  diugh  ;  mur 


bheil  pailteas  ann  an  aon  aite  tha  pailteas  ann 
an  aite-eigin  eile,  is  chan  'eil  agad  ach  am  facal 
a  radh  is  gheibh  thu  do  riar.  Tha  saibhreas 
gu  leoir  anns  an  t-saoghal,  agus  biadh  gu  leoir 
do  na  h-uile,  na'n  robh  daoine  cho  glic  agus  gu'n 
comh-oibricheadh  iad  maille  ri  cheile  ann 
an  sith. 

Ach  ged  nach  'eil  sinn  anns  an  duthaich  so  an 
urra  ri  toradh  ar  diithcha  fein  cha  bhi  e  cho 
furasda  dhuinn  cho  fad  's  a  mhaireas  an  cogadh 
biadh  fhaotainn  a  cearnan  eile.  Mar  sin  tha  e 
mar  fhiachaibh  oirnn  gun  a  bhi  soghail  no 
struidheasach  air  biadh,  agus  am  feum  as  fhearr 
a  ghabhas  deanamh  a  dheanadh  de'n  talamh 
againn  fein. 


Ailean  Mac  Le6id,  Be^rnaraidh-na-Hearadh 

Le  Niall  Mac  an  Tuairneir,  an  Loch  Portain 


CHAOCHAIL  an  duine  naomh  agus  am  fior 
Chriosduidh  so  air  a'  choigeamh  la  de  mhios 
deireannach  an  Fhoghair.  Thainig  a'  ghairm 
air  gu  h-obann,  is  e  an  ceann  a  ghnothuich  ; 
mu'n  dubhairt  e  fein  beagan  iiine  m'  an  do 
thriall  e,  "  chan  'eil  mise  a  nis  ach  ri  feitheamh 
an  aiseig." 

Fhuair  e  sin,  aiseag  socrach  ciiiin,  gun  stoirm 
gun  luasgan,  gus  an  do  chaidil  e  ann  an  Criosd 
mar  leanaban  a'  dol  gu  fois. 

'S  ann  am  Miabhag  na  Hearadh  a  rugadh  e, 
ach  'n  a  bhalachan  timchioU  air  tri  bliadhna 
dh'  aois  thainig  e  do  Bhearnaraidh,  far  an  do 
chaith  e  a  chuid  bu  mhotha  d'a  bheatha. 

Chaith  e  pairt  eile  d'a  thurus  ann  an  Srath- 
Speidhe  far  an  d'  ionnsaich  e  bhi  'na  ghriasaiche. 
Bha  e  'n  a  f hear-ceirde  ealanta  agus  snasmhor. 

Bha  e  'n  a  dhuine  aig  an  robh  inntinn  laidir 
shoilleir  gu  nadurra,  agus  choisrig  e  a  bhuadhan 
uile  do  nithean  ard  agus  uasal  gun  a  bhi  cosd 
tiine  air  nithe  beaga  agus  suarach. 

Bha  doimhneachd  is  grunnachadh  inntinn 
anabarrach  aige  ann  a  bhi  laimhseachadh  an 
Fhocail,  agus  is  lionmhor  iad  a  fhuair  faochadh 
is  sith  d'  an  anam  ann  a  bhi  sgaoileadh  fa  chomh- 


air  an  suidheachadh  bronach  anlis  am  biodh 
iad  aig  amannan. 

Bha  tur  agus  gliocas  agus  ciiiine  'n  a  bheach- 
dan  agus  'n  a  briathran  daonnan. 

Bha  e  'n  a  sgoilear  Gaidhlig  is  Beurla  iongan- 
tach  maith,  agus  cha  robh  iad  ach  gann  'n  a 
linn  aig  an  robh  uibhir  eolais  air  obair  iighdaran 
diadhaidh  's  a  bha  aige. 

Bha  e  cumhachdach  ann  an  tirnuigh,  agus  ann 
an  labhairt  air  "  ceist  "  bha  e  driiidhteach  agus 
soisgeulach  ionnus  nach  robh  neach  riamh  a  dh' 
eisd  ris  a  b'  urrainn  a  chomhairlean  dileas 
measarra  a  dhi-chuimhneachadh. 

Cha  b'  ann  ainneamh  a  ghleus  Ailean  Mac 
Leoid  a  chruit-chiuil  re  a  chuairt  air  thalamh,  's 
a  chuir  e  an  ceill  fhaireachduinn  ann  an  cainnt 
mhilis  a'  bhaird. 

Rinn  a  chuimhne  bha  laidir 

Greim  bais  air  na  chual  e, 

'S  dh'  aindeoin  innleachd  an  namhaid 

Cha  do  tharr  e  thoirt  uaithe  ; 

Thuit  an  siol  air  is  dh'  fhas  e, 

Agus  b'ahiinn  an  sguab  e  ; 

Trom  torach  le  ghrasan, 

Nuair  a  thainig  an  uair  aig  ? 


Aig  an  Uinneig 


A'  Bhean-Chomuinn 


CHAN  aithne  dhomh  oran  ann  an  Gaidhlig 
as  fhearr  a  tha  air  a  dhealbh,  an  smuain 
agus  am  briathran,  na  'n  t-oran  so,  A'  Bhean 
Chomuinn,  no  mar  theirear  air  uairean  ris,  Cha 
tig  Mor  mo  bhean  dhachaidh. 

Is  e  a'  choire  as  mo  a  gheibhear  ann  an  orain 
Ghaidhlig  nach  'eil  dad  annta  air  am  faigh  an 
inntinn  greim  ;    gu  trie  tha  na  briathran  pailt 


ach  na  smuaintean  tana  agus  lom.  Air  neo 
tha  na  briathran  agus  na  smuaintean  cho 
ceothar  's  nach  cuir  iad  dealbh  air  bith  fa  chomh- 
air  t'  inntinn. 

Ach  is  e  maise  an  orain  so  gu  bheil  e  a'  cur 
fa  chomhair  t'  inntinn  ann  am  briathran 
simplidh  agus  driiidhteach  suidheachadh  cho 
bronach  's  is  urrainn  duine  a  bhi  ann  ;  duine  a' 
caoidh  a  mhnatha  agus  a  chlann  6g  timchioll 
air,  a'  caoineadh  am  mathar 


AIG  AN  UINNEIG 


Gu'n  d'  fhalbh  mo  bhean-chomuinn, 
Cha  tig  mo  bhean-ghaoil, 
Gu'n  d'  fhalbh  mo  bhean-chomuinn, 
Bean  thogail  nan  laogh. 

Thig  blath  air  a  ghiuthas, 
Agus  ubhlan  air  geig, 
Cinnidh  gucag  air  luachair, 
Ach  cha  ghhiais  mo  bhean  f  hein, 

Thig  Mart  oirnn,  thig  Foghar 
Thig  todhar,  thig  buain, 
Ach  cha  tog  mo  bhean  luinneag 
R,i  bleoghan  no  buain. 

Cha  dirich  mi  bruthach, 
Cha  shiubhail  mi  frith, 
Chan  f  haigh  mi  lochd  cadail 
'S  mo  thasgaidh  's  a'  chill. 

Tha  mo  chrodh  gun  an  leigeil, 
Tha  'n  t-eadradh  aig  each, 
Tha  mo  leanabh  gun  bheadradh, 
'N  a  shuidh'  air  a'  bhlar. 

Tha  m'  fhardach-sa  creachta, 
'S  lorn  mo  leac  is  gur  fuar, 
Tha  m'  ionmhas  's  mo  bheartas 
Fo  na  leacan  'n  a  suain. 

Uist !  a  chagarain  ghaolaich, 
Caidil  samhach,  a  luaidh  ; 
Cha  tog  caoineadh  do  mhathair. 
Dean  ba  ba  a  nis,  'uain. 

As  na  h-Innsibh  an  Ear 

Is  ann  de  sheorsa  eile  a  tha  an  naidheachd  so, 
ach  is  fhiach  naidheachd  mhaith  a  h-innseadh, 
agus  is  e  grinneas  na  naidheachd  so  an  car  a  tha 
'n  a  h-earball. 

Bha  ribhinn  uasal  anns  na  h-Innsibh  an  Ear 
air  an  robh  ceithir  leannain  an  toir.  A  thaobh 
airgid  is  inbhe  bha  iad  coltach  ri  cheile,  is  cha 
robh  fhios  aice  c6  am  fear  aca  d'  an  tugadh  i  a 
lamh.  Ach  am  feadh  's  a  bha  i  an  iom-chomh- 
airle  ghabh  i  fiabhi*us  is  shiubhail  i.  Shaoileadh 
tu  gur  e  sin  crioch  na  naidheachd,  ach  chan  e 
idir. 

Bha  na  ceithir  leannain  aig  an  tiodhlacadh. 
Chuir  fear  dhiubh  lamh  'n  a  bheatha  ri  taobh 
na  h-uaighe  le  bron,  is  bha  e  air  a  thiodhlacadh 
comhla  rithe.  Thubhairt  fear  eile  dhiubh  gu'n 
rachadh  e  dhachaidh  agus  nach  deanadh  e  obair 
gu  brath  tuilleadh  ach  a'  caoidh  na  te  a  bha 
marbh.  Thubhairt  an  treas  fear  gu'n  streapadh 
esan  a  h-uile  oidhche  do  chraoibh  a  bha  aig 
ceann  na  h-uaighe,  a  chumail  air  falbh  fiadh- 
bheathaichean  na  coille  bho  aite-taimh  a  lean- 
nain. Chuir  a'  cheathramh  fear  roimhe  gu'n 
sitibhladh  e  sios  is  suas,  a  null  's  a  nail,  air  feadh 
an  t-saoghail  a  dh'  fheuchainn  am  faigheadh  e 
luibh  no  stuth  air  chor-eigin  a  bheireadh  am 
marbh  beo.  Mu  dheireadh  fhuair  e  an  stuth 
a  bha  dhith  air  o  chaillich  ghlic  ann  am  Meso- 
potamia ;  fiidar  geal. 

An  uair  a  chrath  e  am  fiidar  air  an  nighinn  a 
bha  marbh  thainig  i  beo  anns  a'  mhionaid,  ach 


gu  tubaisteach  thuit  rud  beag  de'n  fhiidar  air 
an  fhear  a  bha  air  a  thiodhlacadh  comhla  rithe, 
is  thainig  esan  beo  cuideachd. 

An  sin  thoisich  a  cheathrar  a  ris  air  lamh  na 
ribhinne  a  thagar.  Thuirt  fear  dhiubh  gu'n 
seoladh  long  anns  na  deoir  a  shil  e  air  a  son  ; 
thuirt  fear  eile  gu'n  do  chuir  e  seachad  raidh 
ann  an  craoibh  a'  dion  a  h-uaighe  ;  thuirt  an 
treas  fear  gu'n  do  bhasaich  esan  air  a  son  ;  agus 
a'  cheathramh  fear  gu'n  d'  thug  esan  b^o  i. 
Ach  bha  an  ribhinn  fhathast  an  iom-chomhairle, 
is  cha  b'  urrainn  dhi  roghainn  a  dheanamh. 

Mar  sin  dh'  aontaich  a  cheathrar  gu'n  cuir- 
eadh  iad  a'  chilis  air  beulaibh  an  rajah,  agus 
gu'm  biodh  iad  leagta  r'a  bhinn-san,  c6  aca  a 
gh^ibheadh  lamh  na  ribhinne. 

Shuidh  an  rajah  air  a  chathair-bhreitheanais  ; 
thagair  gach  fear  dhiubh  a'  chixis  fein  'n  a 
lathair,  agus  an  deidh  dha  na  bha  aca  ri  radh 
a  chluinntinn,  labhair  e  mar  so  riu  ;  "  tha  an 
ribhinn  uasal  agus  boidheach,  og  agus  beartach, 
is  tha  a'  cheist  a  chuir  sibh  air  mo  bheulaibh 
cho  duilich  a  fuasgladh  's  nach  'eil  doigh  eile  air 
a  fuasgladh  ach  gum  pbsainn  fhein  an  ribhinn  ; 
sin  hinn  na  ciiirte." 

Leabhraichean  ludhach 

Ged  nach  robh  moran  dhaoine  'n  a  latha  a 
leugh  uiread  leabhraichean  ris  an  Ollamh  Mac 
Iain  cha  do  leugh  e  gin  de  leabhraichean  an 
Apocrypha  gus  an  robh  e  tri  fichead  's  a  tri,  aois 
aig  am  biodh  e  glic  do  dhuine  stad  de  leughadh 
uile  gu  leir,  agus  toiseachadh  air  cnamhadh  a 
chire  leis  na  leugh  e  cheana.  Ach  duine  air 
bith  nach  do  leugh  leabhraichean  an  Apocrypha 
agus  gu  sonraichte  Ecclesiasticus  no  Gliocas  losa 
mac  Shirach,  agus  Gliocas  Sholaimh,  chaill  e 
companaich  a  b'  fhiach  dha  eolas  a  chur  orra, 
oir  tha  iad  Ian  de  ghliocas  saoghalta,  de  thur 
nadurra,  agus  de  chomhairlean  maith  mu 
chairdeas  agus  mu  phosadh,  mu  mhalairt  agus 
mu  airgiod-iasaid,  agus  mu  iomadh  rud  eile  a 
thachras  air  duine  'n  a  bheatha. 

Bha  na  sgriobhaichean  agus  na  Phairisich 
taireil  air  an  t-sluagh  chumanta  aig  nach  robh 
iiine  no  theagamh  cail  gu  bhi  a'  sior-smuain- 
eachadh  air  an  lagh,  ach  nach  caomhail  agus 
nach  glic  a  tha  mac  Shirach  a'  labhairt  mu'n 
t-seorsa  sin  ;  treabhaichean  agus  iasgairean, 
agus  saoir,  agus  ciobairean  chaorach  is  dhamh, 
agus  croitearan  beaga,  a  bha  cho  driopail  fad  an 
latha  's  nach  b'  urrainn  dhaibh  uile  riaghailtean 
an  lagha  a  choimhead  ! 

As  eugmhais  an  luchd-oihre  sin  cha  mhair  am  haile  ; 
Ged  nach  suidh  iad  an  coimhthional  nan  seanairean, 
Agus  ged  nach  iarrar  comhairle  orra, 
Agus  ged  nach  suidh  iad  air  cathair  a'  bhreitheanais, 
Agus  ged  nach  fhaighear  cosmhalachdan  bhuapa, 
Gidheadh  tha  iad  a'  deanamh  obair  an  t-saoghail, 
Agus  tha  uigh  aca  ann  an  saothair  an  lamh. 


8 


AIG  AN  UlNNEIG— EARBSA  ANN  AN  DIA 


Sin  agad  facail  cho  fior  's  a  bha  riamh  air  an 
labhairt  ;  ma  tha  iiine  agus  cothrom  agad-sa 
agus  agam-sa  air  cleachdaidhean  follaiseach  na 
diadhaidheachd  a  chumail  suas  cuimhnich- 
eamaid  gu  bheil  sin  air  a  chosnadh  dhuinn  le 
saothair  agus  fallus  agus  theagamh  mionnan 
dhaoine  eile  a  tha  an  diugh  anns  a'  pholl  anns 
an  Fhraing,  no  ann  an  gabhadh  air  a'  chuan. 
Sin  agad  na  daoine  nach  dean  an  rioghachd 
feuna  as  an  eugmhais  ann  an  la  na  h-eiginn,  ged 
nach  iarrar  comhairle  orra  agus  nach  cuirear  'n 
an  suidhe  iad  am  measg  nan  seanairean. 

Anns  na  leabhraichean  so  gheibheadh  ceis- 
tearan  agus  "  daoine  "  a  bhios  a'  labhairt  air  a' 
cheist  anns  a'  Ghaidhealtachd  dubh-fhacail 
agus  cosmhalachdan  agus  samhlaidhean  a  tha 
fada  na's  finealta  na'n  fheadhainn  a  bhiodh  aig 
Alasdair  Gearr.  Dh'  fhaodadh  an  t-Ollamh 
Ruairidh  Mac  Leoid  rud  bu  mhiosa  a  dheanamh 
na'n  Talmud  a  chur  a  mach  mar  leabhar-teag- 
aisg  ann  an  sgoil-shanahraidh  nam  missiona- 
raidhean  Gaidhealach. 

Nach  maith  an  samhladh  so  3,  bha  air  a 
labhairt  le  Rabbi  lohanan  ;  "  Seallaidh  mile 
neach  air  dealbh  duine  a  tha  air  a  ghearradh 
ann  an  cloich,  is  their  gach  aon  dhiubh, '  Is  ann 
ormsa  a  tha  siiilean  an  duine  a'  sealltuinn.'  Sin 
mar  tha  Dia  ;  tha  a  shiiilean  a'  sealltuinn  air 
gach  duine  ann  an  Israel,  ag  radh  ris,  '  Is  mise 
do  Dhia.'  " 

An  Raidheachan  Soisgeulach 

Tha  Fear-deasachaidh  an  Raidheachain  so, 
an  t-Ollamh  Domhnull  Mac  Gill-Eathain,  an 
Collaist  na  h-Eaglaise  Saoire,  agus  na  daoine 
foghluimte  eile  a  tha  'g  a  chuideachadh,  a' 
deanamh  obair  mhaith  le  bhi  a'  dion  a'  Chreidimh 
o  sheorsa  sgoilearan  a  tha  car  coma  ciod  an 
cron  a  ni  am  beachdan  do'n  eaglais,  ma  tha  na 


beachdan  sin  neonach  agus  iir.  (ju  fortanach 
tha  sgoilearan  glic  a'  tomhas  am  briathran  gu 
ciiramach  an  uair  a  labhras  iad  air  nithean 
diomhair,no  air  nithean  mu  nach  urrainn  dhaibh 
a  bhi  cinnteach,  ach  tha  feadhainn  eile  ann  a 
tha  daonnan  an  diiil  gur  ann  mar  is  iiire  beach- 
dan air  bith  is  fire  iad.  Tha  e  maith  do'n 
eaglais  agus  do'n  dtithaich  gu'm  biodh  an 
seorsa  sin  air  coinneachadh  riu  ann  an  argumaid 
le  sgoilearan  a  tha  cho  maith  riu  fhein,  ach  a 
tha  na's  curamaiche  nach  bi  cron  air  a  dheanamh 
do'n  Chreideamh  Chriosduidh  le  beachdan 
anabuich,  no  le  beachdan  gun  bhun,  gun  bharr. 
Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  de  'n  Raidh- 
eachan  tha^goilearan  as  an  Olaint,  a  Paris,  a 
Canada,  as  a'  Ghearmailt,  a'  sgriobhadh  mu 
chuspairean  air  a  bheil  iad  mion  eolach,  ach  air 
nach  urrainn  mi  toiseachadh  air  bruidhinn  an 
drasd  air  an  duilleig  so.  Ach  bu  mhaith  l6am 
taing  a  thoirt  do'n  fear  a  chuir  chugam  an 
Raidheachan,  agus  mo  bheannachd  do'n  obair 
a  tha  e  a'  deanamh. 

Domlinull  Mac  Fhionghuin 

Chaochail  am  ministear  maith  agus  am 
ministear  soisgeulach  so,  ministear  Chum- 
lodden,  air  a'  mhios  a  chaidh  seachad.  Tirisd- 
each  a  thaobh  a  dhuthchais,  b'  e  Steornabhagh 
a'  cheud  aite  anns  an  robh  e  air  a  shuidh- 
eachadh,  an  1897  ;  a  Steornabhagh  chaidh  e  do 
Ghleann  Garaidh  an  1903  ;  a  Gleann  Garaidh 
chaidh  e  do  Chill-Naoinein,  am  Muile  an  1909  ; 
a  Muile  chaidh  e  do  Mhilton  an  Glaschu  an 
1914 ;  a  Glaschu  chaidh  e.  do  Asaint  agus  a 
Asaint  do  Chumlodden,  far  an  do  shiubhail  e. 
Bha  e  'na  sheann  duine,  a'  dol  air  ais  'na 
shlainte  o  chionn  bhliadhnachan,  ach  an 
laithean  oige  bha  e  deas  agus  dichiollach  'n  a 
obair  agus  'n  a  shearmonaiche  maith. 


Earbsa  Ann  an  Dia 


npHA  mo  thurus  roimh  'n  fhasach  a  nis  gu 
-L  bhi  reidh 

Thainig  feasgar  mo  laithean  is  deireadh  mo  re 
Ach  aidichidh  mi  leis  gach  taingealachd  cridh' 
An    fhad    so,    a    Dhia,    gu    'n    do    chuidich 
thu  mi. 

'S  trie  a  shearg  mi  fo  euslaint  's  a  ghuil  mi  fo 

bhron 
'S  trie  a  ghluais  mi  gu  deurach  gun  eideadh, 

gun  Ion 
Ach  dh'  earb  mi  a  Dia  anns  gach  deuchainn  is. 

dith 
'S  an  fhad  so,  a  Thighearna,  chuidich  thu  mi. 


'S  ioma  caraid  bu  chaomh  leam  a  dhiobair,  *s 

a  threig 
'S  ioma  dochas  a  b'  ait  leam  a  mheall  mi  le 

cheilg 
Ach  do  chairdeas-sa  sheas  anns  gach  doilgheas 

is  strith 
'S  an  fhad  so,  a  Thighearna,  chuidich  thu  mi. 

Agus    seallaidh    mi    romhan,    is    gabhaidh    mi 

beachd 
Air  gach  deuchainn  is  anradh  tha  fathast  ri 

teachd 
Ach  m'  anam  fo  gheilt  no  fo  imcheist  cha  bhi  ; 
Oir  an  Dia  nach  do  dhiobair,  cha  diobair  e  mi. 


Aireamh  i 


1940 


Eagal  agus  Earbsa 


'S  an  la  air  am  hi  eagal  orm,  earbaidh  mi  asad-sa." — Salm  Ivi.,  3. 


AN  uair  a  sgriobh  an  Salmadair  an  t-salm 
so  bha  e  ann  an  eiginn  chruaidh  ;  bha  e  air 
a  chuairteachadh  le  n^mhdean  lionmhor, 
ach  dh'  earb  e  e-fein  ri  Dia,  agus  thilg 
creideamh  eagal  a  mach  as  a  cridhe. 

Tha  a  air  a  radh  gur  e  Daibhidh  a  rinn  an 
t-salm  S3  an  nair  a  bha  e  air  faondradh  ann  an 
Gat,  far  an  do  theiche  as  a  dhiithaich  fein, 
an  dochas  nach  aithnicheadh  na  PhUistich  e. 
Ach  leag  iad  amharus  air  agus  los  a  bheatha 
fhaotainn  leis  as  an  l^mhan  leig  Daibhidh 
air  gu  robh  e  as  a  chiall ;  nach  robh  ann  ach 
duine  gun  chron. 

Co  dhiu  a  tha  sin  fior  no  nach  'eU  tha  e 
soilleir  gu  leoir  gu  robh  an  t-salm  air  a 
sgriobhadh  le  duine  diadhaidh  a  bha  'na 
eiginn,  agus  mar  sin  tha  i  gle  fhreagarrach 
dhuinn  uUe  anns  na  laithean  dorcha  so, 
laithean  anns  am  faod  sinn  a  radh  mar 
thubhairt  lob,  "  An  ni  roimh  an  robh  eagal 
orm  thachair  e  dhomh  ;  agus  an  ni  roimh 
an  robh  mi  fo  uamhunn  thainig  e  orm." 

Is  i  so  uair  cumhachd  an  dorchadais  anns 
an  t-saoghal,  oir  tha  rioghachdan  Criosduidh 
na  Roinn-Eorpa  air  toiseachadh  air  a  cheile 
a  mharbhadh  ann  an  cogadh  uamliasach  a 
dh'f  haodas  dol  air  aghaidh  fad  bhliadhnachan. 
Aig  an  Tighearna  a  mh^in  a  tha  fhios  c'uin 
a  sguireas  e,  no  ciod  an  ceann  criche  a  bhios 
aige,  ach  ciod  air  bith  a'  chrioch  a  bhios 
aige  thig  call  searbh  air  an  duthaich  'n  a  lorg, 
call  dhaoine  agus  call  codach.  Gabhaidh 
call  ar  codach  leasachadh  ri  uine  ach  cha 
tig  am  marbh  beo.  Bidh  dull  ri  fear- 
feachda,  ach  cha  bhi  diiil  ri  fear-lice.  Ann 
an  Leodhas  cheana  chualas  caoidh  agus  gul 
agus  bron  ro  mhor,  mathraichean  a'  caoineadh 
an  cloinne,  a  chionn  nach  'eil  iad  beo. 

Fath  eagail. 

Chan  'eil  duine  tiirail  anns  an  duthaich 
an  diugh  air  nach  eagal,  eagal  roimh  'n 
chunnart  anns  a  bheil  an  rioghachd,  ach 
cha  choir  dhuinn  leigeil  leis  an  eagal  sin 
gealtairean  a  dheanamh  dhinn  ann  an  la 
ar  deuchainn.  Bu  choir  dhuinn  ar  n-iirnuigh 
a  dheanamh  ri  Dia  nan  neamh,  mar  rinn 
Nehemiah,  agus  a  radh  ri  Dia  'n  ar  n-iirnuigh, 
"  'S  an  la  air  am  bi  eagal  orm,  earbaidh  mi 
asad-sa."  Cho  fad  's  is  leir  do  mhor-shluagli 
na  diithcha  so  thoisich  an  rioghachd  air  a' 


chogadh  le  coguis  ghlan  oir  chan  ann  air 
ghaol  buannachd  a  tharruing  i  an  claidheamh, 
no  a  chionn  nach  robh  faidhidinn  aig  ar 
hichd-riaghlaidh,  ach  a  chionn  gu  robh 
muinntir  na  rioghachd  uile  a'  faicinn  gu'm 
feumadh  iad  uair  no  uaireigin  seasamh  an 
aghaidh  na  Gearmailte  a  bha  a'  maoidheadh 
gun  sgur  air  a  h-uile  coimhearsnach  a  bu 
laige  na  i  fein.  Cha  bhi  sith  gu  brath  am 
measg  choimhearsnach  ma  dh'  f haodas  am 
fear  laidir  a  chuid  a  thoirt  o'n  fhear  lag. 
Chan  e  ar  luchd-riaghlaidh  a  rinn  an  cogadh 
so  an  aghaidh  toil  an  t-sluaigh;  is  e  an 
sluagh  fhein  a  thug  air  ar  luchd-riaghlaidh 
seasamh  ri  Hitler,  a  chionn  gu'm  b'  fhe^rr 
leo  an  t-uamhas  a  bha  a'  bagradh  air  an 
t-saoghal  fhaotainn  seachad  seach  a  bhi  fo 
eagal  gun  sgur,  le  sgaoim  cogaidh  thairis 
orra  a  h-uile  bliadhna.  Eadhon  ann  an 
cogagh  is  maith  do  mhuinntir  an  airm  coguis 
ghlan  a  bhi  aca. 

Dia  ar  tearmunn. 

Ach  chan  ann  air  cuisean  na  rioghachd  a 
bha  mi  air  son  bruidhinn  an  uair  a  shocruich 
m'  inntinn  air  an  fhacal  a  thubhairt  an 
Salmadair  ach  air  an  fheadhainn  sin  am 
measg  ar  luchd-leughaidh  air  a  bheil  iomguin 
agus  eagal  anns  na  laithean  so  a  chionn  gu 
bheil  giUean  oga  a  bhuineas  dhaibh  an 
cunnart  b^is  anns  an  Fhraing  no  air  a'  nihuir. 
A  la  agus  a  dh'  oidhche  tha  an  smuaintean 
timchioU  air  an  fheadhainn  a  tha  air  falbh, 
gun  fhios  aca  ciod  an  1^  no  an  uair  a  dh' 
f haodas  iad  sgeul  nan  creach  a  chluinntinn. 
Ciod  is  urrainnear  a  radh  riu  ach  iad  a  bhi 
faidhidinneach  agus  misneachail,  agus  an 
earbsa  a  chur  ann  an  Dia,  ag  radh  riu  fein 
mar  thubhairt  an  Salmadair  ann  an  la  a 
theanntachd. 

'S  an  la  air  am  bi  eagal  orm 
Earbaidh  mi  asad-sa. 

Tilgidh  creideamh  a  mach  eagal  cho  fad  's  a 
ghabhas  sin  deanamh,  agus  is  e  an  aon  doigh 
air  ar  creideamh  a  mheudachadh  ar  n-inntinn 
a  shocruchadh  air  Dia  ;  air  a  ghradh,  air  a 
ghliocas,  air  a  ruintean  caomhail.  An  uair 
a  ni  daoine  sin  fiosraichidh  iad  'n  an  cridhe 
fein  gur  fior  am  facal  a  thuirt  an  Salmadair, 
"  Ann  an  lionmhorachd  mo  smuaintean  an 


2 


EAGAL  AGUS  EARBSA— ANNS  A'  CHATHAm 


taobh  a  stigh  dhiom  thug  do  chomhfhurtachd 
-sa  solas  do  m'  anam." 

An  uair  is  urrainn  neach  a  r^dh  mu 
lehobhah,  "Is  e  mo  thearmunn,  agus  mo 
dhaingeach  ;  mo  Dhia  anns  an  cuir  mi  m' 
earbsa,"  tha  e  cheana  air  a  shaoradh  o  phlMgh 
an  eagail,  a'  phlaigh  a  tha  a'  bualadh  dhaoine 
anns  an  oidhohe  gu  sonraichte. 

Chan  atharraieh  ar  creideamh,  no  ar 
n-earbsa  ann  an  Dia,  cursa  a  fhreasdail  ^ch 
atharraichidh  iad  sinn  fein,  air  chor  agus 
gu'n  gabh  sinn  ri  ciirsa  an  fhreasdail  gun 
ghearan.  "  Bi  d'  thosd  an  lathair  lehobhah, 
agus  feith  le  foidhidinn  air."  Is  e  so  an 
iocshlaint  eifeachdach  a  leighseas  an  cridhe 
goirt  agus  a  bheir  neart  do  dhaoine  an  uair  a  tha 


an  anam  fo  ^mhghar.  "  Tha  sinne  a  chreid," 
ars  an  t-abstol,  "  a'  dol  a  steach  do'n  fhois 
sin."  Chan  e  mhain  gu  bheil  Dia  a'  toirt 
fois  d'a  shluagh  aig  uair  am  b^is,  ach  tha 
6  a'  toirt  fois  dhaibh  anns  an  am  so  a  ta 
14thair  ;  tha  iad  foisneachail  anns  an  Tigh- 
earna,  agus  tha  sith  is  lanachd  sith  'n 
an  cridhe,  eadhon  ged  bhiodh  bron  agus 
sg^U  a'  bhais  mu'n  cuairt.  So  an  toradh 
maith  a  bheir  earbsa  dhiadhaidh  a  mach  ann 
an  duine,  ni  e  samhach,  agus  ciuin;  agus 
faidhidinneach  e. 

Cha  ghabh  mi  gealtachd  uime  sin 

's  am  feasd  chan  eagal  leam^ 
Na  dh'  fhaodas  feoil  a  dheanamh  orm 

de  lochd,  le  iomairt  theami. 


Anns  a'  Chathair 


ANNS  an  aireamh  mu  dheireadh  rinn  mi 
iomradh  air  duine  a  rinn  gniomh  uasal  agus 
gaisgeil,  agus  bu  mhaith  leam  leantuinn  air 
an  t-seanchas  i^in  anns  an  aireamh  fO,  oir  is 
fheairrd  sinn  uile  beagan  mhionaidean  a  chur 
seacbad  ann  an  comunn  dhaoine  gaisgeil. 

Chan  'eil  aite  air  an  t-saoghal  anns  am 
faighear  barrachd  gaisgealachd  an  diugh  na 
gheibhear  air  a'  chuan  am  measg  sheolad- 
dairean,  na  daoine  ris  an  abradh  an  Salmadair 
"  iadsan  a  theid  sios  do'n  fhairge  air  longaibh, 
a  ni  obair  air  uisgeachaibh  mora." 

Tha  seorsa  dhaoine  ann  a  chuireas  an  fhairge 
goirisinn  'n  am  feoil ;  tha  eagal  aca  roimhpe, 
agus  is  e  an  eiginn  a  chuireas  oirre  iad,  ach 
tha  a  clann  fein  aig  a'  mhuir,  clann  air  a 
bheil  tarruing  aice  mar  a  thairngeas  a' 
chlach-iuil  an  t-snathad.  Eadhon  ann  an 
laithean  sithe  tha  a'  chlann  sin  a'  fulang 
fuachd  is  anastachd  a  chuireas  dearbhadh 
air  an  cruadalachd,  ach  an  am  cogaidh  tha 
fichead  cunnatt  ur  aca  mar  choimhleapaich 
a  la  's  a  dh'oidhche  a  thuiUeadh  air  cunnartan 
nadurra  a'  chuain. 

Ged  nach  abrar  seoladairean  ris  na  h- 
iasgairean  theagamh  gur  ann  am  measg  nan 
iasgairean  a  gheibheadh  tu  na  sgiobairean 
agus  na  sgiobaidhean  a  rinn  na  h-euchdan  a  bu 
ghaisgeile  air  an  cualas  iomradh  anns  a '  chogadh 
mu  dheireadh,  agus  anns  a'  chogadh  so  fein  an 
uair  a  dh'  fheuch  na  Gearmailtich  ri  cridhe 
muinntir  Bhieatuinn  a  mheatachadh  le 
meinnean  cunnartach  a  chur  ann  an 
seolaidean  tana  dliith  do'n  chladach  thairg 
dk  cheud  bata-iasgaich  agus  dk  mhile  iasgair 
iad  fein  ann  an  aon  la,  gus  na  meinnean  sin 
a  sguabadh  as  an  rathad.     Ciod  a  theireadh 


tu  ri  daoine  de'n  t-seorsa  sin  ach  gur  daoine 
gaisgeil  iad ! 

Ach  is  ann  a  tha  mo  naidheachd  air 
Godfrey  Herbert  D.S.O.,  a  bha  'n  a  chom- 
anndair  air  bata-fo-thuinn  (submarine)  m' 
an  do  thoisich  an  cogadh  mu  dheireadh,  duine 
air  an  deachaidh  caol  thearnadh  o'n  bhas 
barrachd  uairean  na  chaidh  air  duine  eile 
air  an  cuala  mi  iomradh  riamh. 

Tha  na  bataichean-fo-thuinn  na's  sabhailte 
an  diugh  na  bha  iad  an  toiseach,  ach  air  cho 
innleachdach  agus  cho  cinnteach  's  'ga  bheil 
an  t-slige  agus  an  acfhuinn  annta  air  an 
deanamh  tha  cunnart  annta  daonnan.  Ann 
an  1910  cha  robh  dithis  eile  ann  an  Cabhlach 
Bhreatuinn  a  b'  fhearr  a  bha  suas  ri  bata- 
fo-thuinn  oibreachadh  na  Godfrey  Herbert 
agus  an  comanndair  a  bha  as  a  chionn, 
Martainn  Nasmyth,  a  chaidh  suas  ann  an 
1915  troimh  chaolas  cumhang  nan  Dardan- 
elles, caolas  anns  a  bheil  sruth  l^idir,  agus  a 
bha  air  a  dhion  le  gunnacha-mora  air  gach 
taobh  agus  le  meinnean  a  bha  air  an  acrachadh 
ann  gu  tiugh.  Ach  theab  an  dithis  a  bhi  air 
am  bathadh,  no  air  an  tachdadh  am  broinn 
bata-fo-thuinn,  dliith  do  Phlymouth,  agus 
iad  a  mach  comhla,  a'  feuchainn  innleachd 
lir  air  chor-eigin.  An  uair  a  chaidh  i  fodha 
chan  eireadh  i  ;  rinn  i  seasamh-claidheimh 
air  urlar  na  mara  ann  an  doimhneachd  se 
aitheamh  dheug,  ach  gu  fortanach  chaidh 
aca  air  a  h-aotrumachadh  agus  air  a  toirt  an 
uachdar  m'an  robh  iadair  an  tachdadh  le  gas. 

A'  cheud  bhata-fo-thuinn  a  chaidli  riamh 
cho  fada  air  falbh  ri  China,  's  e  Godfrey 
Herbert  a  thug  a  mach  i  ann  an  1911  ; 
turns     dheieh     mile     mile.     Tha     cuimhne 


ANNS  A'  CHATHAIR 


agaibh  air  a'  bhoilich  a  rinn  na  Gearmailtieh 
ann  an  1916  an  uair  a  rainig  te  de  na 
b4taichean-fo-thuinn  aca  cladach  America, 
astar  as  liigha  na'n  t-astar  a  tha  eadar 
Portsmouth  agus  Hong-Kong. 

Aig  toiseach  a'  chogaidh  (1914-18)  bha 
tri  fichead  's  a  ceithir  de  bhataichean-fo- 
thuinn  aig  Breatunn  eadar  bheag  agus  mhor, 
ach  a  thaobh  's  gu  robh  soithichean-cogaidh 
na  Gearmailte  air  an  cumail  anns  na  puirt, 
agus  nach  robh  na  soithichean-marsantachd 
aice  idir  air  cuan,  cha  robh  uiread  cothroim 
aig  sgiobairean  nam  bataichean-fo-thuinn 
againne  air  an  seoltachd  a  chur  an  gniomh 
's  a  bha  aig  na  Gearmailtieh.  Ach  air  a 
shon  sin  bha  sgiobairean  maith  againn  ; 
Cecil  Talbot  ;  Max  Horton  ;  Francis  Good- 
hart  ;  Martainn  Nasmyth  ;  Godfrey  Herbert, 
agus  feadhainn  eile  de'n  t-seorsa  sin  a  dhearbh 
an  teomachd  agus  an  gaisgealachd  m'an  do 
sguir  an  cogadh.  , 

A  cheud  urchair. 

Tha  mi  an  duil  gur  e  Godfrey  Herbert  a' 
cheud  fhear  a  loisg  torpedo  air  soitheach- 
cogaidh  Gearmailteach.  Bha  e  dliith  air 
eilean  Heligoland  an  uair  a  chunnaic  c 
soitheach-cogaidh  mor  anns  an  robh  ceithir 
luidhearan  a  dol  seachad  mar  shia  ceud  slat 
dha,  cho  dluth  's  gu'n  saoileadh  tu  gu'n 
tilgeadh  tu  coinean  aig  an  astar,  ach  gu  mi- 
shealbhach  cha  d'amais  e  i,  ged  a  loisg  e  da 
thorpedo.  Chan  e  sin  a  mhain  ach  theab  e 
an  iubhrach  aige  fein  a  chall,  oir  a  cheart 
cho  luath  's  a  chunnacas  sgriob  na  torpedo 
air  an  fhairge  bha  na  tri  abhagan  beaga  a 
bha  falbh  leis  a'  bhata  mhor  air  a  mhuin, 
is  thoisich  iad  air  iasgach  le  lin  agus  leis  gach 
seorsa  dhubhan  a  bha  aca. 

Ach  cha  b'  ann  aige-san  a  bha  a'  choire 
ach  aig  an  fheadhainn  a  bha  a'  deanamh  nan 
toipedos.  An  deidh  laimhe  fhuaireadh  a 
mach  gu  robh  na  torpedos  a  bha  air  an  toirt 
do  na  bataichean-fo-thuinn  aig  toiseach  a' 
chogaidh  da  fhichead  punnd  na  bu  truime 
anus  a'  cheann  na'n  fheadhainn-fheall  a 
bhiodh  iad  a  losgadh  air  targaid  roimh  'n 
chogadh.  Bha  lamh  chinnteach  aig  Herbert, 
is  r.nn  e  e  fein  cho  coimhlionta  anns  gach 
ceum  d'a  obair  's  gu'n  rachadh  aige  air  amas 
air  a'  chomharradh  daonnan,  ach  an  la  ud, 
a  thaobh  's  nach  d'innseadh  dha  gu  robh  an 
torpedo  na  bu  truime  anns  a'  cheann,  chaidh 
i  seachd  troighean  deug  fo  dhruim  a'  bhata 
ged  bha  i  direach  fo  a  teis-meadhoin. 
Cheartaich  an  Admiralty  so  an  deidh  laimhe. 

Aig  Heligoland. 

Ach  ma  bha  e  dluth  do'n  bhas  ann  an 


August  ann  am  bagh  Heligoland  bha  e  na 
bu  dluithe  dha  ann  an  November  aig  Harwich, 
an  Sasunn,  an  uair  a  thainig  coig  no  sia  de 
shoithichean-cogaidh  na  Gearmailte  a  nail 
gu  cladach  Shasuinn  anns  an  oidhche,  agus 
a  loisg  iad  dararaichean  ann  am  beul  an  latha 
air  baile  no  dha  an  taic  a'  chladaich.  Bha 
iad  air  son  na  soithichean  againne  a  tharruing 
as  an  deidh  an  dochas  gu'm  biodh  feadhainn 
dhiubh  air  an  call  le  meinnean  a  chuir  iad  a 
mach  anns  an  oidhche. 

Chaidh  a  h-uile  bata  a  bha  ann  an  Harwich, 
beag  no  mor,  as  an  deidh,  agus  'n  am  measg 
Godfrey  Herbert  ann  an  D-5,  a'  falbh  air 
uachdar  an  uisge.  Ach  gu  mi-shealbhach 
bhuail  i  meinn  a  rinn  da  leth  oirre,  is  chaidh 
i  fodha  ann  am  mionaid.  Bha  a'  chuid  bu 
mhotha  de  'n  sgiobadh  air  am  bathadh,  ach 
chaidh  aig  Herbert  agus  aig  coignear  eile 
air  snamh  gus  an  robh  iad  air  an  togaU  le 
bata-iasgaich.  Bha  a'  mhaduinn  fuar,  agus 
tulgadh  maith  fairge  ann,  ach  gus  e  fein 
a  dheanamh  cho  aotrum  anns  an  uisge  's 
a  b'urrainn  dha  chuir  e  dheth,  agus  e  cheana 
air  an  t-snamh,  a  bhotainnean-mora,  a 
chota-mor,  a  dheise-mhara,  agus  gloineachan 
a  bha  mu  amhaich.  Cha  b'  e  duine  gun 
smuais  ann  a  dheanadh  sin.  Chuidich  e  le 
aon  no  dh^  eile  a  bha  an  neart  a'  failneachadh 
cumail  an  uachdar  gus  an  t^inig  cabhair  orra. 

Na  bataichean-diomhair. 

Ann  am  meadhon  a'  chogaidh  bha  e  greis 
mhaith  anns  na  bataichean-diomhair  air 
an  robh  gunnachan  air  am  folach,  agus  a 
bha  dol  a  mach  an  riochd  bh^taichean- 
bathair  gun  armachd,  ged  bha  iad  air  an 
cur  a  mach  a  dh'  aon  ghnothuch  a  shealg 
b^taichean-fo-thuinn  na  Gearmailte.  Dh' 
atharraicheadh  na  bataichean  ud  an  cruth 
agus  an  coltas  ann  an  aon  oidhche  ;  cha  robh 
innleachd  a  b'  aithne  dhaibh  nach  cleachdadh 
iad  gus  an  car  a  thoirt  as  an  n^mhaid,  agus 
a  thoirt  orra  a  chreidsinn  nach  robh  annta 
ach  seana  tubachan  a  bha  a'  giulan  guail, 
no  CO  dhiubh  bataichean  neochiontach  gun 
ghunnachan  roimh  nach  ruigeadh  iad  a  leas 
eagal  a  bhi  orra. 

Bha  Godfrey  Herbert  ann  an  te  dhiubh  so 
ann  an  1915,  b^ta  air  an  robh  an  t-ainm 
Baralong.  Eadar  April  agus  August  sheol  e 
deich  mile  mile,  sios  is  suas,  siar  air  Eirinn, 
ach  fad  na  h-iiine  chan  fhaca  e  gin  de  bhat- 
aichean  na  Gearmailte  ged  a  bha  iad  a 
deanamh  cron  gu  leoir.  Aon  la  ann  am 
meadhon  August  chuir  iad  fodha  ochd  de 
na  bataichean  againne  (coig  is  da  fhichead 
mile  tunna)  eadar  Eirinn  agus  na  h-Eileanan 
Scillies  ;  am  bata  mor  agus  am  bata  breagh. 


ANNS  A'  CHATHAIR 


an  Arabic,  anns  an  robh  moran  air  an  call, 
'n  am  measg.  Cha  robh  am  Baralong  fada 
ail'  falbh  o'n  Mte  anns  an  robh  iad  air  an  cur 
fodha  ;  aig  tri  uairean  's  an  f heasgar  ruith  am 
fear  a  bha  ag  oibreachadh  an  radio  suas  far 
an  robh  Herbert  air  an  drochaid,  a  dh' . 
innseadh  dha  gu  robh  bata  eile  air  fios  a 
chur  a  maeh  gu  robh  i  'n  a  h-eiginn  agus  d^ 
bh^ta-fo-thuinn  Gearmailteach  an  s^s  innte. 
Dh'  atharraich  am  Baralong  a  ciirsa  ;  rinn 
i  direach  air  an  aite  anns  an  robh  duil  aice 
gu'm  faiceadh  i  an  te  eile,  agus  ceart  gu 
leoir  ann  an  uair  a  dh'  uine  faicear  an 
Nicosian,  agus  na  daoine  air  a  fagail  ann  an 
geolachan.  Chunnaic  iad  am  b^ta-fo-thuinn 
dluth  dhi,  a'  gabhail  seallaidh  oirre,  agus 
a'  cumail  suil  gheur  air  an  te  eile  a  bha  a' 
tighinn  chuca.  Bha  bratach  America  aig 
Herbert  ri  crann  na  Baralong,  is  chuir  e  suas 
bratach-shanais  eile  a  dh'  innseadh  do  na 
Gearmailtich  gu  robh  e  air  son  sgioba  na 
Nicosian  a  shabhaladh. 

Obair  gharg. 

Ach  gus  an  naidheachd  a  ghiorrachadh, 
cho  luath  's  a  fhuair  e  an  Nicosian  eadar  e 
agus  am  bata-fo-thuinn  leig  e  sios  na 
cliathaichean-biiird  agus  an  canabhas  a  bha 
a'  foluch  nan  gunnachan,  chuir  e  suas 
bratach  Bhreatuinn,  agus  bha  e  deas  gus 
ladaichean  a  thoirt  do  U-27  an  uair  a 
thigeadh  i  am  fradharc  fo  dheireadh  na 
Nicosian.  A  reir  choslais  bha  commanndair 
na  U-27  cinnteach  gur  e  b^ta  gun  gho  le 
America  a  bha  innte,  oir  lean  e  air  losgadh 
air  an  Nicosian,  agus  duil  aige  nach  robh  dad 
air  aire  na  Baralong  ach  faotainn  dluth  do 
na  geolachan  anns  an  robh  na  daoine. 

An  sin  thoisich  obair  gharbh  is  gharg, 
obair  a  bhiodh  sgreataidh  na'n  do  rinneadh 
i  am  fuil  fhuar.  Ach  bha  Godfrey  Herbert 
agus  an  sgioba  a  bha  leis  air  an  cur  chuige 
gu  mor,  a'  faicinn  agus  a'  cluinntinn  mu 
bhriiidealas  nan  Gearmailteach  a  bha  a'  cur 
fodha  bhataichean  gun  rabhadh,  agus  gun 
chothrom  a  thoirt  do  dhaoine  am  beatha  a 
thoirt  asda. 

Leis  an  dara  ladach  thug  am  Baralong  a' 
buille-bhais  do  U-27,  ach  gus  a  bhi  cinnteach 
chuir  i  ceithir  ladaichean  deug  air  fhichead 
innte.  Cha  do  loisg  am  bata-fo-thuimn  ach 
aon  urchair  oirre-se,  is  cha  d'amais  i  air  a' 
Bharalong  leis  an  te  sin  f  hein,  ged  nach  robh 
iad  ach  se  ceud  slat  o  cheile.  Bha  a'  chuid 
bu  mhotha  de  na  Gearmailtich  air  am 
marbhadh  am  broinn  a'  bh^ta,  is  chaidh  iad 
sios  do'n  ghrinneal  'n  an  ciste-mhairbh 
iaruinn.  Ach  leum  feadhainn  dhiubh  a 
roach  air  a'  mhuir,  is  dh'  fheuchiad  ri  streap 


suas  do'n  Nicosian,  los  iad  fdin  a  shabhaladh 
anns  a'  bhata  a  dh'  fheiich  iad  ri  chur  fodha. 
Loisgeadh  orra  anns  an  uisge,  agus  an 
fheadhainn  a  fhuair  air  bord,  bha  iadsan 
air  am  marbhadh  cuideachd. 

Bha  an  obair  garg  gun  teagamh,  ach  an 
deidh  laimhe  thubhairt  Godfrey  Herbert  gur 
e  an  t-aobhar  i  bhi  cho  garg,  gu'n  robh  e 
fein  agus  a  dhaoine  teth  le  corruich  aig  an 
am,  gu'n  robh  rabhadh  air  a  thoirt  dha  gu 
robh  bata-U  eile  dluth  dhaibh,  agus  nach 
robh  fhios  aige  nach  feuchadh  na  Gearmailtich 
a  gheibheadh  a  steach  do'n  Nicosian  ris  na 
cnagan  a  thoirt  aisde  agus  a  cur  fodha  seach 
i  a  bhi  air  a  toghadh  gu  tir  leis  na  Br  eat - 
unnaich.  Thogh  e  i  gu  Avonmouth,  is 
sh^bhail  e  och  ceud  muileid  a  bha  gle 
fheumail  anns  a'chogadh. 

Airgied-cinn  air. 

Co  dhiu  rainig  an  naidheachd  a'  Ghearmailt 
is  rinn  iad  ub-ab  mu  bhruidealas  agus  an- 
iochdmhorachd  nam  Breatunnach  nach  cualas 
riamh  a  leithid.  Chuir  iad  pris  air  ceann 
sgiobair  na  Baralong,  ach  air  eagal  gu'm 
faigheadh  iad  a  mach  c6  e,  thug  an  Admiralty 
mar  ainm  air,  Uilleam  MacBrighde,  agus  fad 
a'  chogaidh  tuiUeadh  bha  iarraidh  aig  na 
Gearmailtich  air  Uilleam  MacBrighde. 

Chuir  am  Baralong  fodha  bata-U  Gear- 
mailteach eile  an  ceann  choig  seachduinean, 
ach  cha  robh  Godfrey  Herbert  innte  air  an 
turns  sin,  oir  chuireadh  e  air  son  a  shlainte 
do  bhata  eile  a  bha  a'  seoladh  air  a'  Mhuir- 
mheadhoin. 

Gle  thrath  anns  a'  chogadh  chuir  an 
Comanndair  Wegener,  a  bha  ann  an  U-27, 
a  chuir  am  Baralong  fodha,  torpedo  ann 
an  te  de  na  soithichean-fo-thuinn  againne, 
is  rinn  e  da  leth  oirre,  ach  cha  d'fheuch  e  ri 
duine    de'n    sgioba    a    shabhaladh. 

Chan  urrainn  mi  innseadh  an  drasd 
mu'n  chaol  thearnadh  a  chaidh  air  Herbert 
tri  uairean  eile  ann  am  Bagh  Heligoland  agus 
anns  a'  chuan  a  Tuath,  na  h-aitean-iasgaich 
anns  am  b'  fhearr  leis  a  bhi  ach  b'  e  an 
tearnadh  a  bu  chaoile  a  chaidh  riamh  air 
gu'n  d'  fhuair  e  a  bheatha  as  a'  bhata-fo- 
thuinn  K-13,  a  chaidh  fodha  anns  a'  Ghearr- 
loch,  air  Cluaidh. 

Anns  a'  Ghedrr-loch. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  cuid  de 
na  leughas  an  duiUeag  so  air  an  iomguin  agus 
air  an  eagal  a  sgaoil  air  feadh  na  duthcha 
an  uair  a  chualas  gu'n  deachaidh  am  b^ta  ur 
K-13  sios  anns  a'  Ghe^rr-loch,  agus  gu 
robh  i  shios  fad  na  h-oidhche  gun  eirigh. 
Tha  cuimhne  agam-sa  an  diugh  fhathast  air 


ANNS   A'  CHATHAIR— CIOD  IS  LEIBH 


m'  eagal  agus  m'  fhaireachduinean  fein  a 
h-uile  mionaid  de'n  t-seachduin  iid. 

Bha  i  air  a  togail  an  garradh  Fairfield,  an 
Oovan,  is  bha  an  t-slige  cho  maith  agus  a 
h-uile  ball  de'n  acfhuinn  cho  finealta  agus 
cho  innleachdach  's  gu  robh  engineers 
Chluaidh  anabarrach  mor  aisde,  ach  an  uak 
a  bha  Godfrey  Herbert  (a  bha  ri  bhi  'na 
chomanndair  oirre)  agus  Francis  Goodhart 
agus  feadhainn  eile  air  an  cur  do  Ghlachu 
a  chur  deuchainn  mhaith  air  a'  bhata  m' 
an  gabhadh  an  Ad7niralty  thaii'is  i  o'n 
fheadhainn  a  thog  i,  h'  eirich  an  tubaist  udd 
dhi,  direach  mar  dh'  eirich  e  do'n  Thetis  o 
chionn  ghoirid. 

Bha  ceithir  fichead  duine  innte  eadar  a 
sgioba  fein  agus  na  daoine  sgileil  a  thog  i, 
agus  a  h-uile  duine  de  'n  cheithir  fichead 
suas  ri  ghnothuch,  ach  air  dhoigh  air  choreigin 
bha  dorus  air  fhagail  fosgailte  a  bu  chou'  a 
bhi  duinte,  is  bhruchd  an  fhairge  a  steach, 
is  laigh  am  bata  air  leaba  phuill  as  nach 
b'  urrainn  dhaibh  a  earachadh.  Mar  gu'm 
biodh  Neptune  mor  na  fairge,  dia  eudmhor 
a'  chuain,  a'  magadh  air  mac  an  duine  agus 
ag  radh  ris,  "  Shaoil  thu  ann  an  uabhar 
t'eanchainn  agus  d'innleachdais  gu'n  do 
chiosnaich  thu  na  duilean,  ach  feuch  ort  a 
nis!  " 

An  gniomh  gaisgeil. 

Rimieadh  na  ghabhadh  deanamh  a 
shabhaladh   nan   daoine   bho   thir,    ach    bu 


bheag  sin.  An  uair  a  dh'  fhaii-tlich  gach  ni 
eile  air  an  fheadhainn  a  bha  air  bord  innte 
chuir  Godfrey  Herbert  agus  Francis  Goodhart 
romhpa  gu'm  feuchadh  iad  ri  cabhair  a 
dheanamh  air  each  le  am  beatha  fein  a  chur 
an  cunnart,  agus  gu'n  leigeadh  iad  leo  fein 
a  bhi  air  an  tilgeadh  a  mach  aisde  troimh 
tholl  cumhann  mar  gu'm  biodh  peilear  air  a 
thilgeadh  a  gunna.  Chan  urrainn  mise  an 
rud  a  mhineachadh  gu  soilleir  dhuit,  ged 
tha  seorsa  de  thuigsinn  agam  air,  'n  am 
inntinn  fein,  ach  co  dhiu  saoilidh  mi  nach 
bu  mhaith  leat  a  bhi  air  do  chur  mar  chuifean 
ann  am  baraile  gunna  agus  air  do  thilgeadh 
as  le  spionnadh  is  spreadhadh  eagallach. 

Sin  mar  rhi.n  an  dithis  ud  orra  fein  air 
sgath  chaich .  Bha  Goodhart  air  a  mharbhadh 
gun  sgril  ann,  ach  c'h'  eirich  Herbert  gun 
dochann  mar  gu'm  biodh  ar  an  no  boUa  a' 
tighinn  an  uachdar.  Agus  o'n  mhionaid  a 
dh'  eirich  e  ghabh  e  comannd,  agus  air  a 
cheann  mu  dheireadh  thug  iad  sia  agus  da 
fhichead  duine  a  mach  aisde  bed. 

Ach  ged  chaidh  am  bata  ud  air  ais  do 
gharradh  Fairfield  a  ris,  agus  ged  bha  a 
h-ainm  air  atharrachadh,  cha  robh  rath  maith 
oirre  riamh.  Tha  bataichean  ann  anns  a 
bheil  deamhau  air  choreigin  a'  dol  a  steach 
o'n  la  a  chuirear  air  sail  iad.  Ma  tha  bean 
dhur  aig  duine  chan  fhaod  e  a  cur  bhuaith, 
ach  ma  tha  bata  no  each  diir  aige  bhiodh  e 
glic  dha  an  cur  bhuaith  cho  luath  's  is 
urrainn  dha. 


Ciod  is  leibh 


{Mmeachadh  air  1   Corint.  iii.) 
Leis  an  Urramnch  Calmn  MacGilleathain,  M.A.,  an  Drochaid  Chonainn 


'S  e  comhstri  a  bha  eadar  dreamanna 
sonraichte  an  Corint  a  dh'aobharaich  gu'n 
do  ghluaiseadh  Pol  le  Spiorad  an  Tighearna 
a  chum  a'  chaibideal  so  a  sgriobhadh  air  tus. 
Ciod  air  bith  a  tha  fior  mu  roinnean  eile, 
bha  roinnean  Chorint  o'n  duine  nadurra. 
Bha  luchd  nan  roinneau  "  feolmhor."  Agus 
rud  a  bha  bochd  gu  leoir  's  ann  air  sgath 
dhaoine  bha  iad  roinnte.  Agus  na  daoine 
sin  b'aon  dream  iad,  muinntir  a  bha  a' 
comh-oibreachadh  maille  ri  Dia.  Cha  b'ann 
a  thearbadh  a  thainig  iad,  Pol  agus  Apollos 
agus  Peadar,  ach  a  thional  agus  a  thogail. 
Tha  Pol  ag  amharc  air  an  cuid  saothair  mar 
gu'm  biodh  da  ni  aca  'ga  dheanamh,  aiteach 
agus  togail  aitreibh.  Tha  fear  a'  cur  agus 
fear  ag  uisgeachadh.  Tha  fear  a'  leagail 
bunaite  agus  fear  eile  a'  togail  air  a'  bhunait 
sin  a  leagadh.  'S  e  Criosd  a'  bhunait. 
Agus  's  e  bhith  searmonachadh  Chriosd  no  a 
bhith   searmonachadh   an   t-Soisgeil   leagail 


na  bunaite.  Sin  an  obair  a  rinn  Pol  araon 
an  Corint  agus  an  Galatia  ;  shearmonaich  e 
Criosd  agus  Criosd  air  a  cheusadh,  agus  rinn 
e  a'  chuid  sin  cho  dichioUach  agus  cho 
durachdach  agus  gu'n  do  shaoil  e  gu'n  do 
chuir  e  Criosd  agus  esan  air  a  cheusadh  mar 
gu'm  b'eadh  mu  choinneamh  an  stiilean, 
mar  gu'm  biodh  aca  sgeul  mhor  shoilleir 
air  balla  air  am  beulaibh. 

Bha  daoine  eile  a'  togail  air  a'  bhunait. 
Agus  cha  b'ionnan  obair  aig  gach  fear,  oir 
bha  cuid  a  chuir  nithean  luachmhor  an  sas 
'san  aitreabh,  agus  bha  cuid  eile  nach  do 
chuir  innte  ach  nithean  beaga  agus  nithean 
aotroma. 

Gach  neach  a  tha  air  a'  bhunait  tha  e  an 
aite  cinnteach,  seasmhach.  An  ti  a  chreideas 
an  Criosd  tearnar  e.  Sin  sgeul  mhor  aoibhinn 
an  t-soisgeil.  Ged  nach  d'  fhuair  an  gaduiche 
air  a'  chrann  moran  tim  gu  bhith  cur  no 
buain,  gu  bhith  ri  saoirsneachd  no  clachair- 


6 


CIOD  IS  LEIBH 


eachd  ;  fhuair  e  saorsa  agus  tearnadh,  ach  a 
bharrachd  air  a'  chreideamh  iongantach  sin 
agus  a'  mhuinghin  sin  a  bha  aige,  aig  uair  is 
am  a  bhais,  an  losa  Criosd  cha  robh  cosnadh 
no  buannachd  ghrasmhor  mar  thoradh  obrach 
ann.  Agus  cho  maith  ri  slainte  tha  luacli 
saoithreach  aig  Dia  fa  chomhair  deagh  obair 
mhaith  luachmhor  dhiongmhalta.  Tha  daoine 
ann  ris  an  canar  fa  dheoidh  "  Na  deagh 
sheirbhisich."  Aidichear     an     saothair. 

Chan  'eil  an  Tighearna  leth-bhreitheach. 

Ach  is  coir  do  dhaoine  bhith  deanamh 
mor-ghairdeachas  anns  na  nithean  mora 
coitchionna  a  bhuineas  do  na  h-uile  ;  agus 
bu  choir  gu'n  tugadh  na  nithean  a  tha 
coitchionn  aig  daoine  daoine  gu  cheile. 
Feuch  mar  a  tha  na  nithean  a  tha  againn 
mar  chuibhrionn  choitchionn  'san  t-saoghal 
'g  ar  tarruing  gu  daimheil  cairdeil  gu  each 
a  cheile  ;  ar  cinneadh,  ar  canan,  ar  baile, 
agus  moran  eile  'san  t-saoghal,  is  maith  lad 
gu  bhith  'g  ar  cur  cuideachd  le  saorsa  na 
daimhealachd.  Bu  mhi-bhuileachadh  dhuinn 
e  orra  sud  gu'n  deanadh  a  h-aon  aca  a 
chaochladh  oirnn.  Agus  is  mi-bhuileachadh 
e  air  trocairean  eugsamhuil  Dhe  gu'm  biodh 
tiodhlacan  Dhe,  an  neach  no  an  ni,  a' 
deanamh  sgaraidh  far  am  bu  choir  daibh 
tathadh  a  dheanamh.  Smaoinich  Pol  a' 
tighinn  eadar  Criosdaidh  agus  Criosdaidh ! 

Bidh  daoine  uaireannan  a'  deanamh 
aireamh  is  cunntas  air  an  cuid  de'n  t-saoghal; 
an  uidhir  so  de  chaoirich,  an  uidhir  so  de 
chrodh  ;  bata  is  lin,  uidheam  treabhaidh  is 
uidheam  iasgaich  ;  an  uidhir  so  's  a'  bhanca, 
agus  an  uidhir  so  gu  tighinn  a  stigh  de 
chosnadh ;  luach  an  tighe  so,  agus  luach  sid 
is  so,  a  reir  nan  nithean  's  a  bheil  maoin 
shaoghalta  an  duine  a'  comhsheasamh. 
Ach  CO  riamh  a  chuala  leithid  na  comh- 
aireamh  a  bha  aig  Pol  ach  anns  an  t-soisgeul 
a  mhain  ?  Is  leibhse,  arsa  esan,  na  h-uile 
nithean.  An  t-iomlan,  ma  is  aill  leat. 
Seadh  agus  Pol,  agus  Apollos,  agus  Cephas, 
agus  an  saoghal,  agus  beatha,  agus  bas, 
agus  na  nithean  a  tha  lathair,  agus  na 
nithean  a  tha  teachd  ;  is  leibh  an  t-iomlan  ; 
agus  is  le  Criosd  sibhse  ;  agus  is  le  Dia  Criosd. 

"  Ma's  leibh  Criosd  is  leibh  na  h-uile 
nithean."  Chan  e  cuid  leis  an  fhear  ud, 
agus  cuid  eile  leis  an  fhear  ud  eile  ;  a'  chuid 
ud  aig  an  dream  ud,  agus  a'  chuid  nach  'eil 
aca-san  aig  each.  Chan  e,  ach  a  h-uile  cuid 
aca  uile,  agus  an  t-iomlan  aig  gach  aon ! 

"  S  ann  mar  so  a  ghradhaich  Dia  an 
saoghal,"  arsa  an  Tighearna  losa  ;  agus  arsa 
Pol  "  Ghradhaich  e  mise."  An  uair  a 
chuir  Dia  a'  ghrian  's  na  speuran  thug  e  a' 
ghrian  gu  h-iomlan  do  gach  duine  is  beo- 


chreutair,  seadh  agus  do  lusraidh  na  talmh- 
ainn,  agus  do  na  clachan.  An  la  a  dh' 
eireas  a'  ghrian  ort  is  leatsa  i  gu  h-iomlan ; 
ach  is  le  do  choimhearsnach  i  gu  h-iomlan 
mar  an  ceudna.  Agus  tha  an  ni  is  fearr  a 
tha  ann,  an  ni  tha  aig  an  Eaglais  mar 
shlainte  an  losa  Criosd,  mar  sin  aig  na  h-uile 
is  le  Criosd,  agus  aig  gach  aon  is  le  Criosd. 

Faodaidh  e  bhith  nach  'eil  an  aon  luach  aig 
duine  'ga  fhaicinn  anns  gach  ni  is  leis.  Tha 
rudeigin  a'  deanamh  aon  ni  sonraichte 
luachmhor  'na  sheaUadh,  agus  tha  daoine 
ann  agus  chan  e  an  ni  is  daoire  is  muirneach 
aca  ach  ni  eile,  agus  na  'm  biodh  comhradh 
aige  bhiodh  sgeul  aige. 

Is  iomadh  ni  luachmhor  a  bha  aig  Augustin, 
ach  so  na  ceithir  a  bha  aige-san  a  bha  toirt 
morthoil-inntinn  dha.  (a)  "  Criosd  slan  agam, 
mo  shlainte."  (6)  "  Biobull  slan  agam,  mo 
lorg."  (c)  "  Eaglais  shlan  agam,  mo  chuid- 
eachd."  (d)    "  Saoghal    slan    agam,    mo 

sgire."  Bha  daoine  an  Corint  agus  bu  "  le 
Criosd "  iad,  ach  cha  robh  each  ach  le 
Peadar  is  le  Pol!  Bha  iad  ann  agus  "  bu 
led  Criosd,"  agus  chan  fhagadh  iad  aig  each 
ach  Peadar!  Gidheadh  ma  bha  Criod  'na 
lanachd  aig  Augustin  cha  do  dh'  fhag  sin 
Eoin  gun  an  dearbh  lanachd  sin  aige  fhein. 
"  Fhuair  sinne  uile." 

Tha  daoine  anns  an  t-saoghal  agus  saoiHdh 
iad  gur  leo  fhein  am  Biobull,  agus  chan  fhag 
iad  ('n  am  beachd)  aig  each  ach  fuidheall 
Biobuill.  Ach  co  leis  am  Biobull  ach  leis  a 
h-uile  fear  a  leughas  e  agus  a  ni  feum  mhaith 
dheth  ?  "  Feuch  am  bata  th'  agam,"  arsa 
fear  ri  duine  diadhaidh  agus  e  dall,  "  0," 
arsa  an  daU,  "  tha  bata  agamsa  is  fearr  na 
do  bhata — Mo  lorg's  mo  bhata  treun." 

"  Tha  mi  creidsinn  's  an  Eaglais  Naoimh 
Chaithceich."  C'aite  a  bheil  i?  Is  iomadh 
aite  sin,  ach  gu  h-araid  an  Leabhar  na 
Beatha  aig  an  Uan.  Is  iomadh  aite  an  robh 
i,  agus  is  fada  o  cheile  na  h-aiteachan  anns  a 
bheil  i,  agus  is  iomadh  linn  a  chunnaic  i, 
Eaglais  Chriosd.  "  Tha,"  arsa  bean  bhochd 
agus  i  aonaranach  agus  air  a  ceangal  tU  an 
leapaidh,  "  tha  Eaglais  Chriosd  anns  gach 
aite  ag  urnuigh  air  mo  shon-sa." 

Bha  iad  a'  cur  air  bodach  araid  gu'n  do 
chuireadh  ceist  air  de  cho  farsuinn  agus  a 
bha  urnuigh  a'  dol,  agus  gu'n  d'thuirt  e. 
"  Cho  farsuinn  ri  criochan  a'  bhaile."  Chan 
'eil  cuid  de  ar  bailtean  ach  beag  co  dhiu. 
'S  e  am  facal  a  bha  aig  Iain  Wesley  a  bha 
aig  Augustin,  "  'S  e  an  saoghal  mo  sgire-sa." 
Ach  CO  a  thug  am  facal  sin  daibh  le  cheile 
air  tiis  ?  Co  ach  losa  Criosd.  "  Im'chibh 
air  feadh  an  t-saoghail  uile  agus  searmon- 
aichibh  an  soisgeul  do  gach  dilil." 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


MA  chuir  peirceall  na  caorach  an  crann  air 
an  sparr  tha  an  cogadh  air  a  thoirt  a  nuas  a 
ris  ;  a  h-uile  taobh  an  teid  mi  chi  mi  no 
eluinnidh  mi  tractor  ag  obair  ann  an 
achaidhean  nach  robh  air  an  treabhadh  o 
chionn  fichead  bliadhna.  Na'm  b'e  aobhar 
eile  ach  an  cogadh  a  thug  air  na  tuathanaich 
an  talamh  a  thionndadh,  bu  mhaith  an 
gnothuch  e,  ach  an  rud  a  thig  leis  an  t-sruth 
falbhaidh  e  leis  an  t-sruth,  is  tha  amharus 
agam  nach  leanar  air  an  treabhadh  ach  cho 
fad  's  a  mhaireas  an  cogadh. 

Tha  agamsa  ri  achadh  de'n  ghliob  a 
threabhadh  cho  maith  ri  m'  chiomhearsnaich, 
ach  ged  bhiodh  e  na  bu  shaoire  dhomh  an 
obair  sin  a  dheanamh  le  tractor  seach  le  eich, 
is  fhearr  leam  gu  mor  a  bhi  sealltuinn  air 
seisreach  a'  gluasad  le  ceum  statail  air  mo 
ghrunnd  na  bhi  cluinntinn  casdaich  an 
tractoir  sios  is  suas  air  an  dail,  fuaim  neonach 
an  aite-duthcha. 

A  thuilleadh  air  sin  ni  paidhir  each  obair 
as  grinne  air  an  t-seorsa  gruinnd  a  tha 
agamsa  na  dheanadh  tractor,  agus  is  fhearr 
leam  grinneas  na  luathas .  Ach  annan  grunnd 
laidir  righinn,  riasg  anns  a  bheil  luachair,  no 
seileastar,  no  bunan-fraoich,  no  rainneach 
a'  fas,  ni  an  tractor  obair  na's  fhearr  na 
dheanadh  treabhaiche  air  an  t-saoghal. 
Ma's  aithne  do'n  fhear  a  tha  'g  a  oibreachadh 
a  ghnothuch  ;  ma  's  aithne  dha  na  croinn  a 
shuidheachadh  ceart,  ni  an  tractor  obair 
ro-mhaith  air  grunnd  air  bith. 

Anns  na  laithean  so  cha  ruig  thu  leas 
tractor  dhuit  fein  a  cheannach ;  faodaidh  tu 
an  tuarasdalachadh  air  gini  an  t-acair,  no 
rudeigin  mar  sin,  a  reir  an  astair  a  tha  thu  o 
bhaile. 

Cha  bhiodh  ann  ach  goraiche  do  dhuine 
air  bith  eich  a  chur  an  sas  ann  an  seana 
ghlasaich  a  tha  molach  le  feur  tioram  nach 
ith  beathaichean  ma  theid  aige  air  tractor 
a  thuarasdalachadh.  Agus  ma  tha  a  bheag 
aig  duine  de  fhearann  b'  fhiach  dha  tractor 
dha  fein  a  cheannach  agus  fear  na  dha  de 
na  h-eich  a  reic. 


Fearann  a'  dol  fas. 

Tha  feum  mor  air  an  tractor  anns  a' 
Ghaidhealtachd  an  diugh  far  a  bheil  am 
fearann  air  dol  fas,  chan  ann  a  chionn  gu 
bheil  na  h-uachdarain  'g  a  chumail  o'n 
t-sluagh  ach  a  chionn  nach  'eil  na  daoine  aig 
a  bheil  e  'ga  uisneachadh  no  'ga  oibreachadh 
au  ceart.     Tha  tri  nithean  a  dh'  fheumas 


tuathanach  a  chur  anns  an  fhearann  m'  am 
bi  e  'na  thuathanach  maith,  airgiod,  obair, 
agus  eanchainn  ;  ach  is  ann  gle  annamh  an 
diugh  a  chi  thu  gu  leoir  a  dh'  airgiod,  no  gu 
leoir  a  dh'  obair,  no  gu  leoir  a  dh'  eanchainn, 
air  a  chur  anns  an  fhearann  leis  na 
tuathanaich.  Fearann  a  tha  air  bheagan 
stuic  a  chionn  nach  'eil  airgiod  aig  an 
tuathanach  a  cheannaicheas  stoc,  no  nach 
'eil  air  oibreachadh  gu  sgoinneil  a  chionn 
nach  dean  e  fein  obair  agus  nach  paigh  e 
seirbhisich  a  dheanadh  i,  sin  agad  fearann 
a  tha  air  a  dhroch  ghioUachd  agns  a  theid 
a  dholaidh  gu  luath.  Ach  ma  chumas  tu 
do  shuilean  fosgailte  chi  thu  an  seorsa 
tuathanachd  sin  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
gu  leir  an  diugh ;  talamh  anns  an  do  chuir 
Ni-maith  feartan  fais  ag  iarraidh  aire  agus 
obair  ach  'ga  iarraidh  gu  diomhain.  Chan 
abair  mi  gur  e  an  leisg  as  aobhar  nach  'eil 
an  obair  air  a  deanamh,  ach  is  e  rudeigin 
a  tha  gle  choltach  rithe,  an  gaol  a  tha  aig 
daoine  air  siubhal  agus  air  seanchas,  agus 
air  an  la  a  chur  seachad  gu  reidh. 

Is  e  tuathanaich  nan  caorach  an  f  headhainn 
as  miosa  air  fad,  ach  tha  a  bhuil ;  chan  'eil  ach 
gle  bheag  de  fhearainn-chaorach  an  diugh  a 
ghiiilaineas  an  stoc  a  bha  orra  roimh  so. 
Leis  nach  'eil  obair  'ga  deanamh  tha  digean 
gun  ghlanadh,  garraidhean  gun  togail,  rain- 
neach a  sgaoileadh  air  a'  mhonadh,  agus 
feur  a'  fas  cho  fiadhaich  's  nach  cuir  creutair 
fiacall  ann. 

An  tuathanach  agus  'ogha. 

An  cual  thu  riamh,  a  leughadair,  ciod  a 
thubhairt  seana  tuathanach  d'an  d'  fharraid 
ogha  fein  an  robh  miighadh  air  bith  eadar  an 
t-seana  ghineal  agus  a'  ghineal  6g  ? 

"  Tha  gun  teagamh,"  ars'  esan  ;  an  uair 
a  bha  mise  6g  bhitheamiad  ag  obair  sia 
uairean  deug  a  h-uile  la  's  an  t-seachduin. 
Di-domhnaich  bhitheamaid  ag  eirigh  aig 
coig  uairean  's  a'  mhaduinn  a  bhleoghan  a' 
chruidh.  An  sin  an  deidh  ar  braiceis  dh' 
fheumamaid  sinn  fhein  a  ghlanadh,  ar 
n-aodach  Sabaid  a  phur  oirnn,  agus  coiseachd 
ceithir  ihile  do'n  eaglais,  far  am  bitheamaid 
a'  seinn. 

Duisg  is  oibrich,  tha  'n  oidhch'  a'  teachd. 

Ach  an  diugh  chan  'eil  m'  oghachan  ag 
oibreachadh  ach  ochd  uairean',  ma  tha  iad  a' 
deanamh  sin  fhein.  Tha  laithean-feill  aca 
tri  no  ceithir  a  dh'  uau^ean  anns  a'  bhliadhna, 
Di-Sathuirn  aca  mu  reir  daonnan,  agus  cadal 


ANNS  A'  CHOiLLE  BHEITHE 


fada  Di-domhnaich,  agus  an  nair  annamh  a 
theid  iad  do'n  eaglais  theid  iad  innte  arm 
am  motor  car,  is  seasaidh  iad  a  dh'  lisdeachd 
ri  coisir-chiilil,  a  tha  an  coimhthional  a' 
paidheadh,  a'  seinn. 

Bheil  thu  sgith,  a  bheil  thu  claoidhte, 
Airtneulach  's  fo  phramh  ? 


Na  Deasaich. 

B'e  Iain  Caimbeul  a  thainig  a-  lonar-Ar 
aon  de  na  ceud  thuathanaich-chaorach  a 
thainig  o  'n  Deas  do  'n  Ghaidhealtachd .  Ghabh 
e  baile  ann  an  Aird-chonghlais,  an  Earra- 
Ghaidheal,  air  an  do  chuir  e  seana  chaoraich 
a  bha  aige  ann  an  Cumnock,  an  lonar-Ar, 
is  fhreagair  an  grunnd  orra  cho  maith  is  dh' 
fhas  iad  cho  mor  's  nach  aithnicheadh  e  ann 
am  bliadhna  gur  e  na  h-aon  chaoraich  a 
bha  ann.  Shoirbhich  leis  cho  maith  anns 
a'  cheud  bhaile  a  ghabh  e  's  gu'n  do  ghabh  e 
baile  as  deidh  baile  an  aitean  eile,  a'  sgaoileadh 
a  sgiathan  gus  mu  dheireadh  an  robh  uiread 
chaorach  aige  's  a  bha  aig  lob. 

Ged  a  thug  na  Deasaich  na  caoraich  o'n 
Deas  sheas  iad  gu  maith  air  a'  ghrunnd  ur 
air  an  do  chuireadh  iad  ;  cha  robh  a  bheag 
dhiubh  a'  basachadh.  Car  son,  ma  ta,  a  tha 
luchd-meas  an  diugh  a'  cur  punnd  Sasunnach 
an  ceann  (no  theagamh  barrachd)  air  caoraich 
a  chionn  gu  bheil  iad  air  an  deanamh  ris  a' 
ghrunnd.  Sin  agad  ceist,  a  leughadair,  a 
thogas  connsachadh  am  measg  thuathanach 
daonnan!  Is  ceist  i  ris  nach  'eil  mise 
a'  dol  a  ghabhail  gnothuich  ach  a 
mhain  gu'n  abair  mi  so,  nach  d'  fhuair  gin 
de  na  tuathanaich  a  thainig  o'n  Deas  stoc 
chaorach  cheana  air  a'  ghrunnd  ;  thug  iad 
o'n  deas  iad,  o  thalamh  a  bu  ghuii-me  agus  a 
b'  fhearr,  ach  air  a  shon  sin  sheas  na  caoraich 
gu  maith.  Cha  b'  ami  leis  a'  bhas  a  chaill 
iad  na  chaill  iad  dhiubh  ach  le  meirlich, 
agus  le  balgairean,  agus  le  bathadh  ann  am 
puill-mhoine,  agus  le  driod-fhortain  eile 
de  'n  t-seorsa  sin.  Bha  an  talamh  glan,  is 
chan  'eil  talamh  glan  air  bith  basmhor. 


dol  air  ais.  Thug  na  caoraich  a  mhaith  as 
an  talamh,  am  maith  a  chuir  na  croitearan 
ann  leis  a'  chrann  no  leis  a'  chois-chruim. 

Fhreagair  grunnd  na  Gaidhealtachd  air  na 
caoraich  choigreach  moran  na  b'  fhearr  na 
fhreagair  na  tuathanaich  GhaUda  agus  na 
ciobairean  Gallda  air  muinutir  na  Gaidheal- 
tachd, a  bha  gu  maith  fuar  riu.  Chan  e 
mh^in  gu  robh  iad  fuar  riu,  ach  bha  iad  air 
uairean  olc  riu.  Bhiodh  iad  a'  gold  nan 
ca,orach  orra  ;  anns  na  laithean  ud  cha  robh 
goid-chaorach  air  a  chunntas  'n  a  mheirle 
cho  narach  's  a  tha  e  an  diugh,  gu  sonraiehte 
ma  bha  iad  air  an  goid  o  Ghall  beartach  a 
thug  an  greim,  mar  gu'm  b'  eadh,  a  beul 
dhaoine  bochda  a  chaill  am  beagan  fearainn 
a  bha  aca  an  uair  a  thainig  esan  do'n  tir. 


Meirlich-chaorach . 

Uair  a  thachair  Iain  Caimbeul  agus  fear 
de  na  Morairean  Dearga  air  a  cheile,  agus 
am  Morair  a'  dol  a  shuidhe  anns  a'  Chuirt 
an  lonar-Aora,  thubhairt  Iain  Caimbeul  ris, 
"  Tha  mi  a'  cluinntinn  gu  bheil  meirleach- 
chaorach  ri  bhi  air  beulaibh  'ur  Morachd  am 
maireach."  "  Ma  tha,"  ars  am  Morair, 
"  cha  ruig  thu  a  leas  eagal  a  bhi  ort  nach 
crochar  e,  ma  tha  e  ciontach.'''  "  Aic  a 
chrochadh!"  ars  Iain  Caimbeul,  "bhiodh  e 
cho  maith  dhuibh  toiseachadh  air  na  cuileagan 
a  chrochadh  ri  bhi  a'  crochadh  muinntir  an 
aite  so  air  son  goid-chaorach  ;  tha  iad  uUe 
'g  an  goid,  agus  'g  an  goid  le  gamhlas." 

Bu  chaomh  agus  bu  chiiiin  an  duine 
Donncha  Ban  ach  thug  e  a  bheannachd  do 
na  balgairean  a  bhiodh  a'  ruagadh  nan 
caorach. 

Mo  bheannachd  aig  na  balgairean, 
A  chionn  bhi  sealg  nan  caorach. 

An  iad  na  caoraich  cheann-riabhach 
Rinn  aimhreit  feadh  an  t-saoghail. 

Am  fearann  a  chuir  fas  oirnn 
'S  am  mal  a  chur  an  daoiread. 

Tha  h-uile  seol  a  b'abhaist 

Anns  a'  Ghaidhealtachd  air  caochladh. 


Feurach  a'  dol  air  ais. 

Is  ann  mu  1850-1870  a  thoisich  daoine 
beachdail  air  toirt  fainear  nach  giulaineadh 
bailtean-chaorach  an  stoc  a  ghiiilaineadh  iad 
aon  uair,  agus  tha  fhios  aig  an  t-saoghal  an 
diugh  gu  bheil  feurach  na  Gaidhealtachd  air 


B'  fhearr  le  Donncha  Ban  na  feidh  na  na 
caoraich,  ach  an  diugh  tha  am  fiadh  air  a 
chunntas  'na  namhaid  as  miosa  do'n 
Ghaidhealtachd  na  na  caoraich.  Ach  theag- 
amh gur  fheairrd  na  feidh  fhein,  agus  na 
caoraich,  agus  gu  sonraiehte  na  daoine,  an 
tractor  a  thighinn  do'n  tir.  Bha  an  t-am 
aige  tighinn,  oir  tha  feum  gu  leoir  air. 


Aireamh  2 


1940 


C'uin  a  thig  a'  Mhaduinn 

"  Tha  Dia  'n  a  meadhon  ;    cuidichidh  Dia  hatha  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn." 

— Salm  xlvi.,  5. 


THA  e  nadurra  do  mhac  an  duine  a  bhi  ag 
urnuigh  ri  Dia  an  uair  a  tha  cunnart  a' 
bagradh  air.  An  uair  a  tha  ctiisean  a'  dol 
leinn  gu  maith  tha  sinn  ullamh  gu  bhi  a' 
cur  ar  n-uile  earbsa  'n  ar  neart  fein,  ach  ann 
an  1^  na  h-airce  tionndaidhidh  anam  an 
duine  gu  nadurra  ri  Dia,  ag  iarraidh  cobhair 
is  taic.  Chan  e  is  ciall  do'n  tionndadh  sin 
gu  bheil  saobh-chreideamh  no  gealtachd  'g 
ar  n-iomain  gu  cathair  nan  gras,  an  uair  a 
tha  sinn  ann  an  ciilI  chumhainn,  ach  gu 
bheU  urnuigh,  mar  thubhairt  mi  cheana, 
nadurra  do  mhac  an  duine  ;  cho  diithchasach 
dha  's  a  tha  seinn  do'n  eun,  no  snamh  do'n 
iasg. 

"  lomadh  uair,"  arsa  Abraham  Lincoln, 
"  bha  mi  air  mo  cho-eigneachadh  gu  dol  air 
mo  ghluinean  a  chionn  nach  robh  aite  eile 
ann  dhomh  ach  sin  ;  laithean  dorcha  anns 
nach  robh  feum  dhomh  ann  am  ghliocas,  no 
ann  an  gliocas  nan  daoine  eUe  a  bha  timchioll 
orm." 

Urnuigh  Heseciaih. 

Dh'  fhaodadh  an  righ  Heseciah  an  ni 
ceudna  a  radh  an  uair  a  mhaoidh  feachd 
Asiria  gu'n  cuireadh  iad  Jerusalem  gu  lar  ; 
an  la  dorcha  anns  an  do  rinn  e  an  urnuigh 
so, — 

0  lehobhah  Dhe  Israeil,  a  tha  d'  shuidhe 
air  na  ceruhan,  is  tu  fein  Dia,  thusa  a'd' 
aonar,  Dia  uile  rioghachdan  na  talmhainn, 
is  tusa  a  rinn  na  neamhan  agus  an  talamh  ; 
aom  do  chluas  agus  eisd  .  .  .  teasairg  sinn 
guidheam  ort,  a  laimh  Shenacherib,  a  chum 
gu'm  hi  fios  aig  uile  rioghachdan  na 
talmhainn  gur  tusa  lehobhah  Dia,  thu 
fiin  ad  aonar. 

Gheibh  thu  an  naidheachd  so,  a  leughadair, 
ann  an  dara  Leabhar  nan  Righrean  (caib 
xix.)  far  a  bheU  e  air  innseadh  mar  chuir 
Senacherib,  righ  Asiria,  teachdaireachd 
mhiomhail  gu  Heseciah,  righ  ludaih,  ag 
iarraidh  air  striochdadh  dhasan,  agus  baile 
Jerusalem  a  thoirt  suas  dha. 

Chaidh  Heseciah  do  thigh  an  Tighearn, 
agus  rinn  e  an  urnuigh  ud,  a'  guidhe  air  Dia 
a  theasairginn  o  bheul  an  leomhainn.  A 
thuilleadh  air  sin  chuir  e  a  chomhairle  ri 
Isaiah,    faidh    an    Tighearna,    agus    b'e    a 


chomhairle-san  dulain  a  thoirt  do  righ 
Asiria,  oir  chunnaic  e  ann  an  spiorad  na 
faistneachd  gu  robh  Dia  a'  dol  a  nochdadh  a 
chumhachd  as  leth  Israel. 

Is  ann  mar  sin  a  bha.  "  Air  an  oidhche 
sin  fein  chaidh  aingeal  lehobhah  a  mach, 
agus  bhuail  e  ann  an  camp  nan  Asirianach 
ceud  agus  ceithir  fichead  agus  coig  mile  : 
an  uair  a  dh'eirich  daoine  gu  moch  anns  a' 
mhaduinn,  feuch  bha  iad  uile  'n  ai  cuirp 
mharbha." 

Aingeal  an  Tighearna. 

A  reir  gnaths  luchd-eachdraidh  nan 
ludhach  tha  am  fear  a  dh'  innis  an  naidheachd 
so  ag  radh  gur  e  aingeal  lehobhah  a  rinn  am 
marbhadh  uamhasach  so,  ach  faodaidh  am 
facal  "  aingeal  lehobhah "  fichead  rud  a 
chiaUachadh  ;  teine  agus  clach-mheallain  ; 
gaoithean  agus  tuiltean  ;  tairneanach  agus 
dealanach ;  plaigh  agus  gort ;  agus  cumh- 
achdan  nadurra  eile, — tha  iad  uile  'n  an 
spioradan-frithealaidh  do  Dhia,  'n  an  ainglean 
a  chuireas  an  geill  a  thoil.  Ach  ciod  air  bith 
an  doigh  anns  an  d'thainig  an  lom-sgrios  ud 
air  feachd  Asiria  tha  e  soilleir  gu  robh 
freasdal  an  Tighearn  ag  oibreachadh  as  leth 
a  shluaigh,  agus  gu'n  do  shaor  e  Heseciah 
agus  a  dhuthaich  an  uair  a  bha  iad  ann  an 
eiginn  chruaidh. 

An  deidh  laimhe  rinn  bard  diadhaidh  air 
chor-eigin  an  t-salm  sholuimte  is  mhaiseach 
so,  a  thoirt  molaidh  do  lehobhah  anns  an 
teampuU  air  son  na  buadha, — 

'S  e  Dia  as  tearmunn  duina  gu  beachd, 

Ar  spionnadh  e's  ar  treis  ; 

An  aimsir  carraid  agus  teiiui 

Ar  cobhair  e  ro-dheas. 

Tha  Dia  nan  sluagh  ri  comhnadh  leinn 

'S  an  comhnuidh  air  ar  crann  ; 

Is  e  Dia  lacoib  's  tearmunn  duinn 

'G  ar  furtachd  anns  gach  am. 

Ged  bu  mhor  neart  Shenacherib  agus  ged 
bu  lionmhor  a  dhaoine  bha  'uaiU  air  a  cur 
anns  an  duslaich,  oir  chan  ann  a  mhain  an 
aghaidh  Heseciah  a  thog  e  a  lamh  ach  an 
aghaidh  an  De  bheo  mar  an  ceudna,  ach  an 
uair  a  dh'eireas  eadhon  righrean  cumhach- 
dach  an  aghaidh  Righ  nan  dul,  is  ion  dhaibh 
eagal  a  bhi  orra  'n  a  lathair-san,  a  thogas 
suas  na  h-eileanan  mar  smiiirnean. 


C'UIN  A  THIG  A'  MHADUINN— ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  na  laithean  so,  an  uair  a  tha  duine 
as  cumhachdaiche  na  Senacherib  a'  maoidh- 
eadh  saorsa  an  t-saoghail  a  mhilleadh,  agus 
lamhachas-laidir  a  dheanamh  air  uile 
rioghachdan  an  domhain,  bu  choir  duinn  ar 
guth  agus  ar  cridhe  a  thogail  ri  Dia  ann  an 
urnuigh  mar  rinn  Heseciah  ;  agus  bu  choir 
duinn  an  naidheachd  so  a  ghabhail  gu  cridhe, 
a  chum  ar  creideamh,  agus  ar  misneach,  agus 
ar  diorras  a  neartachadh.  Oir  tha  sinn  uUe 
a'  creidsinn,  a  dh'  aindeoin  gach  failing  is 
peacadh  a  dh'  fhaodar  a  chur  as  ar  leth  mar 
rioghachd,  gu  bheil  ar  lamhan  na's  gloine  na 
lamhan  na  Gearmailte  anns  a'  chogadh  so, 
agus  nach  e  mhain  gu  bheil  Hitler  a'  saltairt 
air  lagh  dhaoine  agus  air  coraichean  dhuth- 
channa  beaga  ach  gu  bheil  e  mar  an  ceudna 
a'  saltairt  air  lagh  Dhe,  agus  air  coraichean 
a'  chinneadh-daonna. 

An  uair  a  sheallas  sinn  air  neart  an  airm 
a  tha  fo  laimh  chan  'eil  e  furasd  a  radh  c'  uin, 
no  ciod  an  doigh  anns  an  gabh  an  t-arm  sin 
ciosnachadh,  ach  an  uair  a  smuainicheas 
sinn  air  aobhar  na  h-iorghuUl  agus  air  na 
nithean  a  tha  an  crochadh  ris  an  tapaid 
chan  urrainnear  a  chreidsinn  gu'm  faigh  e  a 
thoil,  no  gu  'n  soirbhich  leis  ;  co  dhiu,  chan 
urrainnear  a  chreidsinn  gun  iomadh  dtiil 
mhaith  is  dochas  diadhaidh  a  bha  sinn  ag 
altrum  a  thilgeadh  bhuainn. 

Is  e  saorsa  ni  as  priseUe  air  an  t-saoghal ; 
saorsa  cuirp,  saorsa  inntinn,  saorsa  anama  ; 
agus  tha  e  eu-comasach  a  chreidsinn  gu  'm 
bi  soirbheachadh  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
aig  duine  no  aig  diithaich  a  thogas  an 
gairdean  a  thoirt  saorsa  bho  'n  t-saoghal. 
Theagamh  gu  robh  sinn  uUe  an  diiil  gu  'n 
gabhadh     saorsa     faotainn     gun     phris     a 


phMgheadh  ;  ach  ma  bha,  chuireadh  as  an 
diiil  sin  sinn  anns  na  bliadhnachan  so,  oir 
tha  sinn  a'  faicinn  nach  fhaighear  saorsa  gun 
dortadh  fala,  agus  nach  ciosnaichear  uaill  is 
fein-thoil  Hitler  gun  mhoran  falluis  is  sgiths 
is  amhghar. 

"  Tha  Dia  'na  meadhon  ;  cuidichidh  e 
hatha  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn."'  Tha 
mi  an  duU  gu  'm  faod  sinn  briathran  an 
t-salmadair  a  chleachdadh  mu  ar  duthaich 
fein.  Mur  bheU  Dia  leinn  chan  'eil  coir  air 
bith  againn  a  bhi  ag  iirnuigh  air  son  na 
buadha  ;  mur  bheil  Dia  leinn  is  e  an  rud  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  tachairt  sinn  a  dhol 
sios.  Ach  ma  tha  Dia  leinn  agus  'n  ar 
meadhon — agus  mar  thuirt  mi  cheana  tha 
sinn  a'  creidsinn  gu  bheil  cudthrom  a' 
cheartais  agus  na  firinn  agus  na  h-onoir  air 
ar  taobh — faodaidh  sinn  a  bhi  cinnteach  gu 
bheil  feartan  neo-fhaicsinneach  an  Tighearna 
cheana  ag  oibreachadh  as  ar  leth,  agus  gu  'n 
cuidich  e  sinn  an  uair  a  thig  a'  mhaduinn. 

Ach  is  fhada  an  oidhche  gu  maduinn  do  'n 
duine  a  tha  gun  fhois  le  plan.  Anns  an 
dorchadas  their  e  le  osna,  "  O !  nach  b'  e  a' 
mhaduinn  a  bha.  ann !  "  Cuiridh  Dia  a' 
mhaduinn  thugainn  an  uair  a  thig  an  t-am. 
Chan  e  mhain  gu  'n  cuidich  e  leinn,  ach  ni  e 
sin  daonnan  aig  an  am  cheart.  Cha  tig  e  ro 
thrath  air  eagal  nach  fairich  sinn  ar  feum 
air  ;  ach  cha  tig  e  ro  anmoch  air  eagal  gu  'n 
toir  sinn  thairis.  Thig  e  anns  a'  mhaduinn, 
oir  chan  ainm  ainm  air  bith  eile  do  theachd 
an  Tighearna  ach  a'  mhaduinn.  "  Tha 
lehobhah  cothromach  'na  meadhon  ;  cha  dean 
esan  eucoir ;  anns  a'  mhaduinn  bheir  e 
breitheanas  gu  solus  ;   chan  fhailnich  e." 


Anns  a'  Chathair 


IS  e  an  da  lagh  a  b'fhearr  do'n  Ghaidhealtachd 
a  rinneadh  riamh  anns  a'  Pharlamaid  Achd 
nan  Croitearan  agus  Pension  na  seann  aoise. 
Ged  a  bhios  daoine  a'  faotainn  coire  do'n 
Pharlamaid  air  son  a  bhi  a'  taomadh  iomadh 
seorsa  deirce  ann  an  uchd  dhaoine  leasga 
nach  bu  choir  do'n  duthaich  a  bhi  gabhail 
romhpa  cha  chluinnear  ach  gle  annamh 
duine  a'  gearan  gu  bheil  tuUleadh  's  a  choir 
de  mhaoin  na  rioghachd  air  a  chosd  ann  am 
pensions  do  sheann  daoine.  An  uair  a  tha 
an  lagh  air  a  dheanamh  air  son  na  rioghachd 
uile  chan  'eU  e  furasda  riin  an  lagha  a  chur  an 
geill  gu  cothromach,  is  theagamh  gu  bheil 
feadhainn  a'  faotainn  pension  na  seann  aoise 
aig  nach  'eil  coir  air  bith  air  fhaotainn,  no 
air  a  ghabhail,  ach  air  a  shon  sin  is  e  lagh 


ceart  agus  caomhail  a  tha  ann,  agus  tha 
cridhe  agus  coguis  na  rioghachd  'ga  sheasamh. 
Ma  tha  ministear-sgire  a'  deanamh  a 
dhleasdanais  chan  'eil  duine  eile  d'  an  aithne 
seann  daoine  agus  bochdan  na  sgire  cho  maith 
ris,  air  chor  agus  gu  bheil  e  a'  faicinn  a 
h-uile  la  d'a  bheatha  cho  lionmhor  's  a  tha 
na  seann  daoine  d'  am  biodh  an  aois  'na 
h-eagal  agus  'na  h-uallach,  mur  b'e  am 
pension.  Ach  leis  a'  phension  tha  an  inntinn 
aig  fois  ;  tha  iad  a'  f^s  misneachail  agus 
laidir  agus  toilichte  a  chionn  gu  bheil  iad 
neo-eisiomaileach. 

Mairi  Dhdmhnullach. 

Ged  nach  b'  aithne  dhomhsa  neach  eile 
riamh    ach    am    boirionnach    ciuin,    Mairi 


ANNS  A'  CHATHAIR 


DhomhnuUach,  d'  an  robh  pension  na  seann 
aoise  'na  thaic  bheannaichinn  ainm  an  fhir  a 
rinn  an  lagh  caomhail  so.  Shiubhail  Mairi 
o  chionn  sheachd  bliadhna,  ach  fada  m'  an 
do  shiubhail  i  bhiodh  i  ag  innseadh  dhomh 
gu'm  b'  ise  an  te  mu  dheireadh  de  theaghlach 
a  h-athar  a  bha  beo.  Cha  robh  duine  a 
bhuineadh  dhi  aig  an  tiodhlacadh  ;  bha  a 
corp  air  a  thiomnadh  do'n  duslaich  ann  an 
cladh  Chille-sgumain  le  lamhan  choigreach, 
agus  mar  sin  faodaidh  mi  innseadh  mu 
chursa  a  beatha,  gun  oUbheum  a  thoirt  do 
neaeh  air  bith  a  tha  beo  an  diugh. 

Rugadh  i  an  Inbhir-Theorsa  an  Gallaibh, 
ach  is  ann  a  Leodhus  a  thainig  a  h-athair 
(agus  theagamh  a  mathair  cuideachd)  agus 
bha  bias  Gaidhlig  Leodhuis  air  a  bruidhinn 
gu  la  a  bais.  Bha  a  h-athair  'na  dhuine 
diadhaidh  ;  an  la  a  dh'fhag  i  fhein  agus 
Anna  a  piuthar  an  dachaidh  a  dhol  'g  an 
cosnadh  do  Dhim-eideann  chaidh  e  led  gu 
ceann  an  rathaid,  agus  aig  ceann  an  rathaid 
chaidh  e  air  a  ghluinean,  a  dh'urnuigh  gu'm 
biodh  beannachd  an  Tighearna  maille  riu, 
agus  a  dhion  thairis  orra,  far  an  robh  iad 
a'  dol. 

Fhuair  iad  le  cheile  aite  an  tighean  maith 
ann  an  Dim-eideann,  far  an  robh  meas  mor 
orra  mar  shearbhantan  dileas  sgoinneil  a 
bha  cho  firinneach  onorach  ri  solus  na 
greine.  An  uair  a  bha  Anna  deich  bliadhna 
'ga  cosnadh  ghabh  i  fiabhrus-dearg  is 
shiubhail  i,  ach  cha  robh  aice  a  dh'airgiod 
ach  na  chuir  fo'n  uir  i,  oir  bha  iad  le  cheile 
maith  d'  am  parantan  agus  do  dhaimhich 
eUe  ann  an  Inbhir-Theorsa  aig  an  robh  feum 
air  cuideachadh.  Bha  brathair  aca  aig  an 
robh  deichnear  chloinne  agus  bean  gun 
sgoinn,  a  bha  air  a  bhathadh  aig  iasgach  an 
sgadain  ann  an  Sealtainn,  ach  bheathaich 
agus  chomhdaich  iad  eatorra  an  teaghlach 
mor  ud  gus  an  tainig  iad  uile  gu  ire  cosnaidh. 

Posadh  Mairi. 

Bha  Mairi  fichead  bliadhna  anns  an  aon 
tigh-cosnaidh,  agus  cha  chuireadh  e  ionghnadh 
oirre  fhein  no  air  daoine  eile  na'n  abradh  tu 
gu'm  biodh  i  ann  gu  brath.  Cha  robh  dad 
eile  'n  a  beachd  agus  cha  mho  a  bha  i  an  diiil 
gu'm  posadh  i  ;  "  ach  air  a  shon  sin,"  ars' 
ise,  la  a  bha  sinn  a'  bruidhinn  ri  cheile, 
"  phos  mi,  agus  b'  fhearr  dhomh  nach  do 
phos  ;  bhiodh  e  na  bu  ghUce  dhomh  fantuinn 
mar  bha  mi." 

"  Na'm  b'aithne  dhuinn,"  thubhairt  mi 
rithe,  "  ciod  a  tha  air  thoiseach  oirnn 
bhitheamaid  uile  na's  glice  na  tha  sinn,  is 
sheachnamaid  iomadh  sloe  anns  an  do 
thuit   sinn,    agus   gun   fhios   againn   gur   e 


sloe  a  bha  ann,  ach  theagamh  gu  robh 
duil  agaibh-se  aig  an  am  gu'm  faigheadh 
sibh  sonas  agus  saorsa  ann  an  staid  a' 
phosaidh." 

"  Bha  mise,"  ars'  ise,  "  ochd  bliadhna 
deug  air  fhichead  an  uair  a  phos  mi,  agus 
cha  b'e  diiil  ri  sonas  no  saorsa  a  thug  orm  mi 
fhein  a  cheangal  ri  fear,  no  idir  gaol  a  bhi 
agam  air." 

"  Ciod  eile,  ma  ta,  a  thug  oirbh  a 
dheanamh  ?  "  thubhairt  mi  rithe. 

"  O,  a  bhroinein,"  ars'  ise,  "  tha  iomadh 
rud  anns  an  t-saoghal  nach  aithne  dhuitsa, 
agus  nach  biodh  feum  ann  domhsa  innseadh 
dhuit,  ach  chaidh  mise  agus  an  duine  comhla 
a  chionn  gu  bheil  ionndrainn  ann  an  cridhe 
gach  te  air  an  t-saoghal  air  na  tri  nithean  so, 
fear  agus  dachaidh  agus  leanabh  dhi  fhein. 
Sin  agad  trianaid  nam  ban." 

Saor-thighean. 

Ach  mur  robh  teas-ghaol  aig  Mairi  air  an 
fhear  a  phos  i  cha  mho  a  bha  teas-ghaol 
aige-san  oirre.  Bha  Niall  Domhnullach  mu 
dha  fhichead  an  uair  a  thachair  iad  air  a 
cheile  ;  air  a  chunntas  mar  fhear  de  na 
saoir-thighean  a  b'fhearr  an  Diin-eideann  ; 
fear-ceirde  aig  an  robh  lamh  ghrinn  ach  a 
bha  gaolach  air  an  uisge-bheatha.  Chuir  a 
mhaighstir  e  do'n  tigh  anns  an  robh  Mairi 
'g  a  cosnadh,  a  dheanamh  obair  fhinealta 
air  chor-eigin  ;  agus  m'an  robh  e  ann  ach 
da  la,  thoisich  an  aon  smuain  air  eirigh  ann 
an  inntinn  agus  ann  an  aigne  na  dithis. 
Bha  Mairi  'n  a  boirionnach  ard,  saltmhor, 
dreachmhor  ;  bha  fuil  ghlan  innte  agus 
flath  na  slainte  air  a  h-aodann,  is  thubhairt 
Niall  Domhnullach  ris  fhein  gu'm  bu  mhaith 
a'  bhean-tighe  agus  an  companach  a  dheanadh 
i  do  fhear-oibre  seach  na  siolagan  caola, 
glas-neulach,  ris  am  biodh  e  a'  tachairt  anns 
a'  bhaile.  Agus  thubhairt  e  ris  fhein 
cuideachd  gu  robh  an  Ian  am  aige  a  nis  dol 
air  thigheadas  dha  fhein,  agus  stad  d'a 
ghoraiche. 

Chord  coslas  Neill  ri  Mairi,  oir  bha  e  'na 
dhuine  mor  gasda,  agus  fiamh  coibhneil, 
ceanalta,  air  a  ghnuis,  is  thubhairt  i  rithe 
fhein  gu'm  b'e  diobhail  a  bha  ann  e  bhi  gun 
dachaidh  dha  fhein,  agus  gun  te  a  ghabhadh 
curam  dheth.  Aon  mhaduinn  a  thainig  e 
gu  obair  agus  aileadh  an  uisge-bheatha 
dheth  gu  laidir  cha  bhruidhneadh  i  idir  ris, 
ach  m'an  tainig  am  feasgar  bha  i  ag  radh 
rithe  fhein  (mar  thubhairt  na  miltean  de 
mhnathan  gorach)  gur  e  bean  a  bha  dhith 
air,  agus  gu'n  stadadh  a  de'n  51  na'n  robh 
bean  sgoinneil  aige  agus  blaths  is  comh- 
fhurtachd    aig    a    theine    fein.     Och !     och ! 


ANNS  A'  CHATHAIR 


nach  beag  is  aithne  do  na  boirionnaich 
doighean  an  drongair  agus  puinnsean  na 
dibhe ! 

Dachaidh  bhrdnach. 

Ach  gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh 
phos  Niall  agus  Mairi,  ach  ma  phos,  bha  lad 
air  an  ceangal  ri  cheile  gu  neo-chothromach, 
oir  bha  beusachd  agus  banalachd  'na 
h-aoraibh-se  gu  nadurra,  ach  chaill  esan  a 
dhuinealas  gu  buileach  leis  an  deoch. 
Fhuair  an  truaghan  na  tri  nithean  a  bha  a 
cridhe  ag  ionndrainn,  fear  dhi  fhein,  agus 
dachaidh  dhi  fhein,  agus  ri  Mne  leanabh  dhi 
fhein  'n  a  broUleach,  ach  'n  an  cois  fhuair  i 
carraid  agus  briseadh-cridhe. 

Theirear  ris  a'  cheud  bhhadhna  a  tha 
caraid  posda  bliadhna-nam-pdg,  ach  fada  m' 
an  do  ruilh  a'  bhliadhna  bha  dachaidh 
Mairi  fuar  agus  lorn,  lorn  gu  litireil  oir  dh' 
61  Niall  a  h-uile  ball  de'n  earnais  a  chuir  i 
anns  an  tigh  as  a  cosnadh  fhein,  gu  ruige  na 
tiodhlacan-bainnse  a  fhuair  i.  Cha  robh  an 
leanabh  beo  ach  coig  seachduinean  ;  an  uair 
a  rugadh  e  bha  Niall  fad  dheich  laithean  air 
an  daoraich  ;  is  bha  e  cho  mor  an  athar  na 
dubh-dhaoraich  sin  's  nach  do  rinn  e  car 
oibre  fad  mios.  Ghabh  e  an  ath  dhaorach  an 
oidhche  a  shiubhail  an  leanabh,  agus  cha  b' 
urrainn  dha  dol  a  dh'ionnsuidh  an  tiodh- 
lacaidh.  Is  e  coimhearsnach  a  ghiulain  a' 
chiste  bheag  'n  a  achlais  do'n  chladh. 

Uair  a  bha  i  ag  innseadh  dhomh  mu'n 
amhghar  a  dh'  fhuUing  i  aig  an  am  ud  d'a 
beatha  dh'fhaighnich  mi  dhi  am  bitheadh  i 
a'  faotainn  cadail  anns  na  seachduinean  a 
bu  truaighe  a  cor.  "  0,  ghaolaich,"  ars'  ise, 
"  feumaidh  gu'm  bithinn  a'  cadal  gun  fhios 
dhomh,  oir  tha  iad  ag  radh  nach  bi  neach  fada 
beo  gun  chadal,  air  neo  gu'n  teid  e  as  a 
chiall.  Ach  an  uair  a  chaill  mi  mo  leanabh 
bhithinn  a'  guidhe  ri  Dia  e  'g  am  chumail  'n 
am  dhusgadh  air  eagal,  na'n  caidilinn,  gu'm 
faicinn  'n  am  bhruadar  mo  leanabh  'n  am 
bhroilleach  a  ris,  agus  gu'n  duisginn  's  gun  e 
ann.  O,  bhroinein,  is  duilich  do  mhathair 
cadal  ma  tha  a  broilleach  Ian,  agus  a  cridhe 
falamh  agus  briste  ;  is  duilich  dhi  cadal  anns 
an  aon  leabaidh  ri  a  leanabh  marbh  agus  a 
duine  air  mhisg." 

La  na  saorsa. 

Ach  ged  nach  b'e  bliadhna-nam-pog  a 
bha  anns  a'  bhhadhna  ud  do  Mhairi  ach 
bUadhna  na  daorsa  chaidh  i  seachad,  agus 
m'an  do  chriochnaich  an  ath  bhliadhna,  bha 
Niall  marbh.  Bha  ainm  fada  agus  ainm 
riomhach  aig  lighichean  an  ospadail  air  an 


tinneas  a  chuir  crioch  air,  ach  chan  e  rud  air 
bith  eile  a  chuir  as  dha  ach  an  deoch. 

Chaidh  Mairi  air  a  h-ais  do'n  tigh  anns  an 
robh  i  'na  searbhanta  m'an  do  phos  i  ; 
bhiodh  a  ban-mhaighstir,  a  bha  anabarrach 
measaU  oirre  agus  anabarrach  coibhneU 
rithe,  a'  dol  'g  a  faicinn  fad  na  h-iiine  a  bha 
i  posda,  agus  a  cheart  cho  luath  's  a  shiubhail 
Niall  dh'iarr  i  oirre  tighinn  air  a  h-ais  do'n 
teaghlach  aca  fhein. 

Sin  mar  bha  ;  dh'fhan  i  comhla  riu,  mar 
aon  dhiubh  fein,  gus  an  robh  an  dachaidh 
air  a  briseadh.  Shiubhail  na  seann  daoine  ; 
chaidh  tritiir  de  na  mic  agus  aon  de  na 
nigheanan  do  na  h-Innsibh  an  Ear,  agus  cha 
robh  air  f hagail  dhiubh  anns  an  diithaich  so 
ach  aon  mhac  nach  robh  posda,  a  bha  a' 
fuireach  ann  an  Lunnainn,  agus  nighean  a 
bha  posda  aig  marsanta-iaruinn  ann  an 
Glaschu. 

Is  ann  comhla  ris  an  nighinn  sin  a  bha 
Mairi  anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh, 
ach  an  uair  a  shiubhail  a  ban-mhaighstir  agus 
a  bha  Mairi  fhein  air  fas  crom  agus  criibach 
leis  an  loinidh  bhruidhinn  am  marsanta- 
iaruinn  ris  a'  Choirneal  mu  Mhairi,  uair  a 
bha  an  Coirneal  agus  a  bhean  aig  dinnear 
mhor  ann  an  Glaschu,  agus  is  e  a  thainig  as 
a'  bhruidhinn  sin  gu'n  tug  an  Coirneal  tigh 
beag  grinn  dhi  ann  an  Cille-sgumain,  cho  fad 
's  bu  bheo  i.  Cha  robh  an  tigh  mor  no  ■ 
riomhach,  ach  cha  mho  a  bha  am  mal  mor, 
agus  cha  ruigeadh  an  Coirneal  a  leas  a  thoirt 
dhi  idir,  mur  b'e  sin  a  thoil  mhaith  fhein,  oir 
cha  bhuineadh  i  do'n  aite  no  d'a  oighreachd. 
Sin  mar  fhuair  mise  eolas  air  mo  bhan- 
charaid  ghaolach,  Mairi  DhomhnuUach,  'na 
seann  aois,  agus  is  e  a  beul  fhein  m'urrainn 
air  son  nan  nithean  a  tha  mi  a'  cur  sios  air  an 
duilleig  so,  nithean  a  bhiodh  i  ag  innseadh 
dhomh  an  uair  a  bhithinn  a'  tadhall  oirre, 
agus  a'  fantuinn  iiine  mhaith  comhla  rithe. 

Tigh  nam  bochd. 

Anns  na  seann  laithean  bhiodh  Mairi  (aig 
nach  robh  duine  a  shealladh  'na  deidh)  air  a 
cur  do  Thigh  nam  bochd,  no  ann  an  cuil  air 
chor-eigin  an  tigh  duine  eile,  ach  le  pension 
na  seann.  aoise,  agus  beagan  a  chuir  i  mu 
seach,  agus  coimhearsnaich  choibhneil,  bha 
i  ann  an  sud  gu  sona  toilichte  aig  taobh  a 
teine  fein,  ag  eirigh  agus  a'  laighe  an  uair  a 
thogradh  i,  agus  comas  aice  cupan  tea  a 
thairgsinn  do  dhuine  air  bith  a  bha  feumail 
air,  no  a  bu  toigh  leatha.  An  uair  a  tha 
boirionnach  grinn  air  a  cur  do  Thigh  nam 
bochd,  no  air  a  cur  ann  an  suidheachadh  air 
bith  eile  anns  nach  urrainn  i  cupan  tea  a 
dheanamh  dhi  fhein  no  do  dhaoine  eUe,  tha 


ANNS  A'  CHATHAIR— DORLACH  BHIORAN 


crannchur  a'  bhoirionnaich  sin  cruaidh  ;  tha 
i  mar  gu'm  biodh  ban-righ  a  chuireadh 
bharr  a'  chruin. 

A  h-uile  uair  a  rachainti  'g  a  faicinn  bhiodh 
i  ag  iarraidh  orm  leigheas  a  thoirt  dhi  air 
son  na  loinidh,  ach  bhithinn  ag  r^dh  rithe 
nach  robh  air  an  loinidh  ach  aon  leigheas,  a 
bhi  ag  radh  rithe  fhein  fad  an  latha  nach  'eil 
a  leithid  de  ni  agus  loinidh  ann.  "  O, 
ghaolaich,"  theireadh  i  rium,  "  b'fhearr 
leamsa  an  loinidh  fhein  fhulang  seach  dol  as 
mo  chiall." 

Am  bitheantas,  mar  is  sine  tha  daoine  a' 
fas  tha  iad  a'  fas  na's  ciiramaiche  agus  na's 
cruaidhe  mu  airgiod,  ach  cha  b'ann  mar  sin 
a  bha  Mairi.  Bha  i  fialaidh  leis  a'  bheagan 
a  bha  aice,  agus  coma  mu  bhi  a'  caomhnadh 
nan  sgillinnean  ach  a  mhain  gu'm  bu  mhaith 
leatha  fhagail  'na  deidh  na  chuireadh  fo'n 
talamh  le  grinneas  i.  Dh'earb  i  riumsa  a' 
chuid  so  a  dheanamh  air  a  son,'  agus  gheall 
mi  dhi  gu'm  biodh  a  h-uile  ni  air  a  dheanamh 
mar  bu  mhaith  leatha.  "  Ma  thachras  dad 
dhomhsa," — sin  an  doigh  anns  am  biodh  i 
daonnan  a'  toiseachadh  air  bruidhinn  mu 
uair  a  siubhaU.  Theireadh  i  rium  gu  robh  i 
cinnteach  gur  ann  anns  an  oidhche  a  thigeadh 
a'  ghairm  oirre,  agus  gu'n  tigeadh  i  gun 
fhios  dhi  fhein  no  do  neach  air  bith. 
Bhithinn-sa  ag  radh  rithe  gu'n  do  ghleidh 
Dia  nithean  diomhair  'n  a  chomhairle  fein 
a  mhain,  ach  theireadh  ise,  "  Tha  sin  ceart,  a 
ghaolaich,  ach  tha  fhios  agamsa  'n  am 
chridhe  fhein  gur  ann  'n  am  chadal  a  thig  an 
Teachdaire  'g  am  ionnsuidh." 

Ainglean  na  Nollaige. 

Mar  a  thubhairt,  b'fhior  ;  an  oidhche 
roimh  NoUaig  tha  ceol  nan  ainglean  air  a 
chluinntinn  anns  an  iarmailt  le  daoine 
bodhar  maol  nach  'eil  a'  creidsinn  anns  na 
h-ainglean  ach  aon  la  agus  aon  oidhche  's  a 
bhliadhna.  Bha  na  h-ainglean  a  mach  air 
an  turusan  an  CUle-sgumain  an  oidhche  ud, 
a'  tadhall  an  sud  agus  an  so  ;  an  drasd  ann 
an  tigh  anns  an  robh  a'  chlann  a'  caoineadh  a 


chionn  nach  tigeadh  Santa  Glaus  chuca  am 
bliadhna,  agus  gun  an  athair  ag  obair,  agus 
a  ris  ann  an  tigh  a'  Choirneil  anns  nach  robh 
clann  idir,  ach  anns  an  robh  iomadh 
treathlaich  a  dheanadh  clann  sona.  Ciod  air 
bith  a  rinn  na  h-ainglean,  anns  a'  mhaduinn 
an  uair  a  dh'eirich  a'  chlann  agus  a  thog  am 
mathair  a'  chluasag  a  bha  fo'n  ceann  bha 
rudan  fo'n  chluasaig  a  thug  air  an  cridheacha]!;! 
leum  le  moit,  agus  an  uair  a  dh'eirich  an 
Coirneal,  an  aite  toiseachadh  air  Socialists 
agus  Pacifists  a  dhamnadh,  mar  b'abhaist 
dha,  chaidh  e  fhein  agus  a  bhean  air  an 
gliiinean  a  dheanamh  tirnuigh,  agus  ghuidh 
e  air  Dia  "  gu'n  cuidicheadh  tu  leinn  na 
nithean  a  fhuair  sinn  bhuait  a  roinn  riusan 
aig  nach  'eil  ach  dachaidhean  lom  is  bochd." 

Bheannaich  na  h-ainglean  iomadh  dachaidh 
an  oidhche  ud,  ach  bha  uiread  dhaoine  ann 
an  CUle-sgumain  aig  an  robh  cluasan  bodhar 
agus  cridheachan  cruaidh  's  gu  robh  e  tri 
uairean  's  a'  mhaduinn  m'an  do  chriochnaich 
na  h-ainglean  an  obair,  agus  m'an  do  rainig 
iad  an  tigh  mu  dheireadh,  tigh  Mairi 
DhomhnuUach . 

Bha  Mairi  'na  cadal  gu  seimh,  ach  bha 
neul  na  h-aoise  ri  fhaicinn  air  a  h-aodann. 

"  Ciod  an  tiodhlac-NoUaige  a  dh'fhagas 
sinn  aice,  a  dh'fheitheamh  air  a  dusgadh," 
arsa  te  de  na  h-ainglean  ri  each. 

"  Tha  i  aosda  agus  sgith,"  arsa  te  eUe, 
"  bheir  sinn  leinn  dhachaidh  gu  h-athair  i." 

An  sin  bhean  aingeal  eUe  ri  bilean  Mairi, 
agus  gun  uiread  agus  osna  a  tharruing,  stad 
a  h-anaU  agus  bha  a  spiorad  maUle  ri  Dia. 

Anns  a'  mhaduinn,  an  uair  nach  robh  toit 
ri  fhaicinn  as  an  tigh,  dh'fhosgail  am  posta 
agus  fear  de  na  coimhearsnaich  an  dorus, 
ach  chunnaic  iad  anns  a'  mhionaid  gu  robh 
i  marbh.  Bha  am  BiobuU  fosgaUte  air  a' 
bhord  a  bha  ri  taobh  na  leapa  aig  an  t-salm 
a  bha  i  a'  leughadh  m'an  do  chaidil  i, 
Sasuichear  mi,  an  uair  a  dhiiisgeas  mi,  le 
d'  choslas.     (Salm  xvii.,  15.) 


Dorlach  Bhioran 

Thionail  Pol  dorlach  bhioran. — Gniomharan  xxviii.,  3. 


NA'N  robh  mi  deich  bliadhna  fichead  na 
b'oige  na  tha  mi  tha  da  rud  a  rachadh  agam 
air  a  dheanamh  nach  do  rinneadh  cheana, 
leabhar  beag  cuimir,  anns  am  biodh  gach 
seann  sgriobhadh  Greugach  no  Romanach 
air  an  rannsachadh  agus  air  an  criathradh  le 
criathran       na       meanbh-sgoilearachd,       a 


dh'fhaotainn  a  mach  ciod  an  seorsa  fiodha  a 
bha  anns  na  biorain  a  thionail  Pol,  agus  (2) 
Concordance  do'n  BhiobuU  GhaidhUg. 

Theagamh  gu'n  tugadh  Oilthigh  Chill- 
rimhinn  Ph.D.  dhomh  airson  leabhar  nam 
bioran,  oir  tha  maithean  an  fhoghluim  deas 
gu  bhi  a'  saoUsinn  gu  bheil  ionmhas  agus 


6 


DORLACH  BHIORAN 


reamhrachd  ann  an  seann  sgriobhaidhean 
nach  'eil  annta  idir,  ach  air  a  shon  sin  chan 
'eil  ann  am  bioran  ach  bioran  fhein.  Is 
dtith  do  dhuine  a  bhi  mor  as  fhein  ma  chuir  e 
clach  ann  an  teampuill  an  Eolais,  ach  mur  do 
chuir  e  ann  ach  bioran,  bha  cho  maith  dha  a 
chur  air  an  teine,  far  an  do  chuir  Pol  iad. 

Ach  bhiodh  Concordance  Gaidhlig  feumail, 
cho  feumail  's  na'n  robh  mi  na  b'oige,  mar 
thubhairt  mi,  gu'm  feuchainn  r'a  dheanamh. 
Ach  tha  ministearan  oga  anns  a'  Ghaidh- 
ealtachd  a  dh'fhaodadh  an  obair  so  a 
ghabhail  os  laimh,  gu  sonraichte  anns  an 
eaglais  Shaoir,  a  tha  a'  cleachdadh  na 
Gaidhlig  na'  s  mo  na  thatar  a'  deanamh  ann 
an  eaglais  na  h-Alba. 

'N  an  teagasg  anns  a'  chubaid,  no  ann  an  class 
a'  Bhiobuill  tha  ministearan  GaidhHg  an  diugh 
mar  gu'm  biodh  iad  a'  gearradh  feoir  le  speal 
mhaoil ;  tha  e  duilich  dhaibh  an  obair  a 
dheanamh,  agus  tha  an  obair  groiceil  air  a' 
cheann  mu  dheireadh.  Anns  an  t-saoghal 
iir  anns  a  bheil  inntinnean  dhaoine  a' 
gluasad  an  diugh  chan  'eil  anns  a'  Ghaidhlig 
ach  meadhon-teagaisg  gu  maith  anfhann, 
anfhann  gu  nadurra  a  chionn  nach  'eil  i  a' 
f4s  mar  tha  eolas  a'  fas,  ach  na's  anfhainne 
uile  gu  leir  a  chionn  nach  'eil  an  acfhuinn 
againn  ann  an  Gaidhlig  a  tha  aig  luchd- 
teagaisg  Beurla,  Concordance  agus  leabh- 
raichean  eile  de'n  t-seorsa  sin. 

Ach  chan  abair  mi  an  corr  air  a'  chuspair 
so,  oir  tha  fhios  agam  gu'n  cuirinn  fearg  air 
cuid  d'am  chairdean,  na'm  fosglainn 
m'inntinn  gu  saor  air  a'  Ghaidhlig  mar 
inneal-theagaisg,  agus  cha  toigh  learn  dad 
a  radh  a  chuireadh  daoine  bharr  an  siuil. 

Mar  sin  tillidh  mi  a  dh'ionnsuidh  nam 
bioran,  far  an  do  thoisich  mi. 

Thionail  Pol  na  biorain  gus  teine  fhadadh, 
ach  tha  teine  agus  teine  ann.  Tha  cuid  de 
na  bhios  a'  leughadh  na  duilleig  so  a 
dh'fheumas  da  theine  a  thoirt  beo  a  h-uile 
la  Sabaid,  ach  ged  nach  'eil  mise  a'  gabhail 
orm  a  bhi  ro  mhaith  air  teine  dhomh  fhein 
fhadadh  bha  mi  riamh  ciiramach  gu'm  biodh 
dorlach  bhioran  aig  mo  laimh  ris  am  faodainn 
maidse  a  chur  uair  air  bith  a  thoilichinn.  O 
nach  'eil  feum  agam  fhein  orra  an  drasd 
faodaidh  mi  lan-an-duirn  dhiubh  a  thairgsinn 
do  neach  air  bith  a  tha  gann  de  chonnadh. 

Anns  na  laithean  so  tha  am  biadh  ri  bhi 
air  a  thomhas  dhuinn,  agus  tha  daoine  a' 
deanamh  moran  bruidhne  mu  bhiadh  ;  so 
agaibh  ma  ta  dorlach  bhioran  a  chuireas  sibh 
air  an  teine  sin. 


Dh'ith  iad  am  Mana  gus  an  d'thainig  iad 
gu  crick  tire  Chanaain. — {Ecsodus  xvi.,  35). 
Ciod  air  bith  a  bheir  thusa  no  mise  as  an 
fhacal  sin,  na'n  robh  Augustin  beo,  theireadh 
e  gur  e  crioch  tir  Chanaain  an  la  anns  am 
faigh  Breatunn  agus  an  Fhraing  a'  bhuaidh. 

Bithidh  aca  uiread  r'a  cheile  ri  itheadh. — 
Deut.  xviii.,  8. 

Dlighe  gach  la  air  a  la  fein. — Nehem. 
xii.,  47. 

Thubhairt  losa  riu,  A  chlann,  a  bheil 
biadh  air  bith  agaibh  ?  Fhreagair  iadsan, 
Chan  'eil. — Eoin  xxi.,  5. 

An  diidh  do'n  Tighearn  buidheachas  a 
thabhairt  dh'ith  iad  an  t-aran. — Eoin  vi.,  23. 

Ithidh  e  aran  a  Dhe. — Lebh.  xxi.,  22. 

Ceithir  seorsachan  arain  a  tha  air  an 
ainmeachadh  anns  a'  BhiobuU  ;  aran  Dhe, 
biadh  nan  aingeal  (Salm  Ixxviii.,  25),  aran 
an  diomhanais,  agus  aran  na  ceilge  (Gnath- 
Fhacail  xxxi.,  27,  xx.,  17).  Tha  an  da 
aran  mu  dheireadh  sin  mills  do'n  bhlas, 
ach  searbh  do  na  h-airnean. 

Deasaichidh  tu  bdrd  fa  m'chomhair  ann  am 

fianuis  mo  naimhdean. — Salm  xxiii.,  5. 

Cha  robh  uireasbhuidh  ni  sam  bith  ort. — 

Deut.  vi.,  7. 

Dh'ith  iad  am  biadh  le  gairdeachas  agus  le 

aon-fhillteachd      cridhe,      a'm,oladh      Dhe. — - 

Gniomh.  ii.,  46. 

Ma  chain  thu  do  chail  air  biadh  mol 
ainm  Dhe  gus  an  tig  do  chail  air  ais. 
Dh'aithnicheadh  led  e  ann  am  briseadh  an 

arain. — Lucas  xxiv.,  35. 

Cha  bu  choir  am  facal  so  a  bhi  air  a 
ghleidheadh  air  son  bord  a'  chomanachaidh 
a  mhain.  Aithnichear  an  duine  diadhaidh 
'n  a  shuidhe  aig  a'  bhiadh,  no  air  an  doigh 
anns  an  dean  e  altachadh.  Bu  choir 
dhuinn  gach  seorsa  arain,  cho  maith  ri 
aran  a'  chomanachaidh,  a  bhriseadh  ann 
an  ainm  Chriosd. 
Rinn    coimhthional    chloinn    Israeil    uile 

gearan  an  aghaidh  Mhaois. — Ecsodus  xvi.,  2. 
Rinn  iad  gearan  'n  a  aghaidh  a  chionn 
gu  robh  am  biadh  gann,  ach  air  cho  dona 
's  'g  am  bi  sinne,  cha  bhi  sinn  cho  dona  ri 
muinntir  Shamaria  an  am  na  gorta  a 
thainig  orra,  agus  a  bha  ceann  asail  air 
a  reic  air  ceithir  fichead  bonn  airgid,  agus 
an  ceathramh  cuid  de  chab  a  dh'aolach 
chalaman  air  a  reic  air  coig  buinn  airgid. 
Tha  mi  an  dull  gu'm  biodh  mu  thri 
pinntean  ann  an  cab,  ach  chan  'eil  mi  uile 
gu    leir    cinnteach,     oir    tha     toimhsean 


.    DORLACH  BHIORAN 


ludhach     cho     duilich     an     tuigsinn     ri 
sgriobhaidhean  Einstein  no  Jeans. 

Bheir  bean  shubhailceach  a  biadh  a  tir 
cMin  ;  tha  i  marlongaibh  nan  ceannaichean. — 
Gnath-  Fhacail  xxi.,  14. 

Ma  dh'ith  mi  mo  ghreim  am  aonar  agus  nach 
d'ith  dilleachdan  dheth.—Iob  xxi.,  17. 

Tha  treubh  anns  an  Afric  aig  a  bheil  an 

t-ainm  so  air  duine  mosach,  "  Am  fear  a 

bhios  ag  itheadh  leis  fhein." 

Thugaibh  aoidheachd  d'a  cheile  gun  ghearan. 
— 1  Pead.  iv.,  9. 

"Bha  mi  acrach,  agus  cha  d'thug  sibh 
dhomh  biadh  ;  bha  mi  am  choigreach, 
agus  cha  d'thug  sibh  aoidheachd  dhomh." 

Ma's  duine  thu  air  do  thabhairt  do 
gheocaireachd,  cuir  sgian  ri  d'  sgornan. — 
Gnath- Fhacail  xxiii.,  2. 

Chan  'eil  mi  cinnteach  ciod  a  tha  so  a' 
ciallachadh,  ach  saoiKdh  mi  co  dhiubh 
nach  'eil  am  facal  ag  iarraidh  eadhon  air  a' 
gheocaire  lamh  a  chur  'n  a  bheatha. 
Theagamh  nach  'eil  ann  ach  facal  laidir, 
rud  beag  thar  na  cailce,  mar  bhiodh  aig  an 
fhear  nach  maireann,  an  t-OlIamh  Alasdair 
Whyte,  air  uairean.  Uair  a  bha  e  a' 
searmonachadh  mu'n  pheacadh  so, 
thubhairt  e,  "  tha  sibh  an  sin,  a  mhnathan- 
uaisle  Dhun-eideann,  a'  cladhach  'ur 
n-uaighean  fein  le  bhur  fiaclan." 

Is  mise  aran  na  beatha  :  an  t-aran  bed 
a  thainig  a  nuas  a  neamh. —  Ar  Slanuighear. 

Sin  ma  ta,  dorlach  bhioran  leis  am  faodadh 
duine  air  bith  aig  a  bheil  inntinn  bheo,  a 
cheanglas  aon  smuain  ri  srauain  eile,  deagh 
theine  fhadadh  air  feasgar  Sabaid. 


An  am  a'  chogaidh  mu  dheireadh  bha  mise 
dha  no  tri  laithean  ann  am  Malta,  ach  ged  a 
chaidh  mi  a  dh'fhaicinn  a'  bhaigh  anns  an 
deachaidh  am  bata  anns  an  robh  Pol  air  tir, 
chan  'eU  cuimhne  air  bith  agam  an  diugh  air 
coslas  na  h-oir-thir,  ciod  an  seorsa  chraobh 
a  bha  timchioll  air  a'  bhagh,  no  an  robh 
craobh  no  conas  idir  ann.  Ach  tha  cuimhne 
agam  air  coslas  is  cumadh  a'  bhaigh  fhein, 
agus  air  siochalachd  agus  guirme  na  fairge  ; 
cha  saoileadh  tu  air  la  samhraidh  gu'm  bu 
droch  chladach  e. 

Biorain  a  coille  eile. 

CIOD  a  tha  an  urnuigh  so  a'  ciallachadh, 
"  Thoir  dhuinn  an  diugh  ar  n-aran  laitheil  ?  " 
(Mata  vi.,  11).  Ciod  eile  ach  gu  bheil  sinn  ag 
iarraidh  air  Dia  am  biadh  a  tha  feumail  do'n 


bheatha  so  a  thoirt  dhuinn!  Sin  an  doigh 
anns  a  bheil  a'  mhor-chuid  de  dhaoine  a 
bhios  ag  radh  na  h-urnuigh  'g  a  tuigsinn. 
Ach  ma  sheallas  tu  thairis  air  na  nithean 
eile  a  dh'iarr  Criosd  air  na  deisciobuU  guidhe 
ri  Dia  air  an  son  chi  thu  gur  e  nithean 
spioradail  a  tha  annta  uile,  agus  nach  e 
nithean  aimsireil.  Dh'iarr  e  orra  guidhe 
gu'm  biodh  ainm  Dhe  air  a  naomhachadh, 
agus  rioghachd  Dhe  a'  teachd  ;  gu'm  biodh 
iad  air  an  cumail  o  bhuaireadh,  ach  anns  an 
athchuinge  so  thatar  ag  iarraidh  air  Dia 
beannachd  aimsireil,  ged  thubhairt  Criosd  ris 
na  deisciobuil  gun  ro-churam  a  bhi  orra  ciod 
a  dh'itheadh  no  dh'oladh  iad.  "  larraibh 
air  tus  rioghachd  Dhe,"  ars  esan,  "  agus 
cuir  ear  na  nithean  so  uile  ribh."  Mar  sin 
tha  cuid  de  dhiadhairean  a'  cumail  a  mach 
nach  ann  idir  air  son  a'  bhidh  a  theirgeas  a 
dh'iarr  Criosd  air  a  dheisciobuil  urnuigh  a 
dheanamh,  ach  air  son  a'  bhidh  a  nihaireas 
chum  na  beatha  shiorruidh. 

Sin  mar  tha  an  naomh  Augustin  a' 
mineachadh  nam  briathran  so  ;  bha  iad  a' 
samhlachadh  dha  corp  Chriosd,  no  an 
t-aran  beo  a  tha  Dia  a'  toirt  do'n  anam  ;  is 
dh'uisnich  e  iad  mar  gu'n  robh  iad  a'  teagasg 
gu  bheil  Criosd  ag  iarraidh  oirnn  an 
t-sacramaid  naomh  a  choimhead  a  h-uile  la. 

Ach  cha  seas  am  mineachadh  sin,  ma 
chumar  air  chuimhne  an  riaghailt  ghlic  so, 
"  Earrann  air  bith  de'n  BhiobuU  as  urrainnear 
a  ghabhail  gu  litireil,  gabh  mar  sin  i,  oir  mar 
is  fhaide  a  dh'fhalbhas  tu  o'n  litir,  is  ann  is 
docha  thu  bhi  cearr."  Tha  facal  eile  anns 
an  urnuigh  nach  'eil  soilleir,  co  dhiubh  anns 
a'  Ghreigis,  am  facal  laitheil,  oir  tha 
sgoilearan  Greigis  ag  radh  gur  e  bu  choir 
dhuinn  a  radh,  "  Thoir  dhuinn  an  diugh  aran 
an  la  tha  teachd."  An  e  sin  aran  an  la 
maireach  ?  Ma  their  thu  gur  e,  cuimhnich 
gu'n  d'  iarr  Criosd  air  na  deisciobuil  gun 
churam  a  bhi  orra  mu'n  la  maireach. 

Bha  e  'na  chleachdadh  aig  losa  gu 
sonraichte  ann  ari  Capernaum,  a  bhi  ag 
eirigh  roimh  la,  a  dhol  a  mach  leis  fein  a 
dh'iirnuigh,  theagamh  a  chionn  gu  robh  an 
tigh  (no  na  tighean)  anns  am  biodh  e  a' 
fuireach  cho  Ian  's  nach  b'urrainn  dha  del 
air  a  ghluinean  an  uaigneas.  Is  ann  air  la 
de  na  laithean  sin  a  lean  na  deisciobuil  e 
agus  a  dh'iarr  iad  air,  "  A  Thighearna, 
teagaisg  dhuinn  urnuigh  a  dheanamh."  An 
sin  thug  Criosd  dhaibh  an  urnuigh  so,  trath 
's  a'  mhaduinn,  theagamh  m'an  do  bhlais 
iad  biadh,  Thoir  dhuinn  aran  an  la  so,  no 
aran  an  la  a  tha  romhainn. 


DORLACH  BHIORAN— CALL  LEODHAIS 


Tha  an  urnuigh  so  freagarrach  dhuinn 
uile  (ma  chumas  sinn  a'  choir  agus  gu'n  iarr 
sinn  Dia  gu  moch)  ach  bha  i  eadhon  na  bu 
fhreagarraiche  do  na  h-abstoil,  oir  dh'fhag 
iadsan  an  tighean  agus  an  teaghlaichean  agus 
an  obair  shaoghalta  air  sgath  Chriosd  agus 
air  sgath  a  rioghachd.  Air  uairean  cha 
bhiodh  fhios  aca  anns  a'  mhaduinn  c'aite  am 
faigheadh  iad  am  biadh  anns  an  fheasgar, 
no  c'aite  am  faigheadh  iad  fasgadh  anns  an 
oidhche.  Ach  b'aithne  do  Dhia,  agus  mar 
sin  dh'iarr  Criosd  orra  an  cuisean  earbsa 
ris-san,  agus  an  uireasbhuidhean  innseadh 
dha,  agus  dol  an  comhdhail  obair  an  la  gun 
eagal  gun  churam. 

Ann  an  saoghal  anns  a  bheil  freasdal  Dhe 
a'  riaghladh  gheibh  an  duine  a  tha  deanamh 
toil  Dhe  a  bhiadh  gun  teagamh  ;  ach  chan 
'eU  coir  aig  duine  air  a  bhiadh  mur  do 
choisinn  e  e. 

Co  iad,  ma  ta,  a  tha  a'  cosnadh  am  bidh  ? 

Ma's  e  toil  an  Tigheam  e. 

Anns  a'  cheathramh  caibideil  de'n  litir  a 
sgriobh  e  tha  an  t-abstol  Seumas  a'  faotainn 
coire  do  dhaoine  a  bhios  ag  radh,  "  Am 
maireach  theid  sinn  do'n  bhaile  so,  agus  ni 
sinn  ceannachd  agus  gheibh  sinn  buannachd," 
agus  ag  radh  riu  gur  e  bu  choir  dhaibh  a 
radh,  "  Mas  e  toil  an  Tigheam  e,  ni  sinn  so 
no  sud." 

Anns  na  seann  laithean  chluinneadh  tu  na 
briathran  so  na's  trice  na  chluinnear  iad  an 
diugh,  "  Ma's  e  toil  an  Tighearn  e,"  no  "  Ma 
bhios  mi  air  mo  chaomhnadh,"  no  "  Le 
comhnadh  Ni-maith  " — ni  mi  sud  no  so. 
Ach  tha  an  doigh  bruidhne  sin  air  dol  as  an 
fhasan  an  diugh  am  measg  dhaoine,  agus  gu 
sonraichte  am  measg  dhaoine  oga,  oir  cha 


toigh  leis  an  oigridh  a  bhi  ag  uisneachadh 
bhriathran  crabhach  gun  aobhar. 

Uair  a  dh'iarr  an  t-Ollamh  Tomas  Chalmers 
ministear  araidh  a  dh'ionnsuidh  a  thighe 
fhreagaii"  am  ministear  ann  am  briathran 
crabhach  "  Bithidh  mi  toilichte  dol  chugaibh, 
ma  bhios  mi  air  mo  air  chaomhnadh,  a'  cur 
cudthrom  anabarrach  agus  fuaim  sholuimte 
air  na  facail  ma  bhios  mi  air  mo  chaomhnadh. 

"  0,"  arsa  Tomas  Chalmers,  gu  goirid  agus 
gu  tioram,  "  mur  bi  thu  air  do  chaomhnadh 
cha  bhi  duil  againn  riut." 

Ach  ged  nach  call  e  gu'm  bruidhneadh 
daoine  gu  direach  nadurra,  gun  bhi  ag 
uisneachadh  cainnt  chrabhach  an  uair  nach 
'eil  feum  oirre,  bu  chall  mor  e  na'n 
dichuimhnicheamaid  gu  bheU  sinn  an 
eisiomail  Dhe  gach  mionaid  d'  ar  beatha, 
agus  nach  bu  choir  dhuinn  ceum  mor  no 
beag  a  ghabhail  gun  a  bheannachd-san  agus 
a  stiiiireadh-san  iarraidh.  Eadhon  ged  nach 
biodh  na  briathran  air  ar  bilean.  Ma's  e  toil 
an  Tighearn  e,  ni  mi  sud  no  ni  mi  so,  no  31  a 
bhios  m,i  air  mo  chaomhnadh,  no  A  dhedin 
Dia  e,  bu  choir  gu'm  biodh  iad  gu  diomhair 
'n  ar  cridhe,  agus  gu'n  aidicheamaid  esan 
agus  a  thoil  anns  gach  ceum  d'ar  beatha 

Anns  an  uchd  tilgear  an  crannchur,  ach 
is  ann  o'n  Tighearn  a  tha  a  riaghladh  gu 
leir.     {Gnath  Fhacail  nan  ludhach.) 

Thubhairt  an  righ,  Falbhaidh  mi  am 
maireach,  ach  thubhairt  a'  ghaoth,  Fanaidh 
tu  riumsa.     {Gnath  Fhacail  nan  Gaidheal.) 

Uime  sin  tha  an  t-abstol  Seumas  ag  radh, 
na  h-abraibh,  Theid  sinn  an  diugh  no  am 
maireach  gus  a  leithid  so  de  bhaile,  agus  ni 
sinn  ceannachd  agus  gheibh  sinn  buannachd, 
ach  'na  aite  sin  abraibh,  Ma's  e  toil  an 
Tighearn  e,  ni  sinn  sud  no  so. 


Call  Leodhais 


Is  e  Leodhas  a'  cheud  aite  anns  a' 
Ghaidhealtachd  air  an  d'  thug  an  cogadh  so 
droch  sgriob,  oir  bha  dusan  no  ceithir 
deug  de  ghillean  oga  an  eilein  air  an  call 
anns  a'  bhata  mhor,  an  "  Rawalpindi,"  a 
bha  air  a  cur  fodha  le  soitheach-cogaidh 
Gearmailteach.  Cha  d'  th^inig  call  cho 
goirt   air   an   eilean,   co   dhiu   ann  an   g-on 


oidhche,  o'n  oidhche  a  chaidh  an  "  lolaire  " 
air  tir,  a'  dol  a  stigh  do  Steornabhagh,  agus 
a  bha  bathadh  eagallach  air  a  dheanamh. 

Tha  co-fhaireachduin  aig  muinntir  na 
Gaidhealtachd  uile  ris  na  dachaidhean  ann 
an  Leodhas  anns  a  bheil  ionndrainn  agus 
bron  aig  an  ^m  so. 


M'CORC^OD^LE 


Aireamh  3 


1940 


Coimhliontachd  a'  Chreidmhich 

Ge  b'e  neach  a  ghineadh  o  Dhia,  cha  dean  e  peacadh  ;  oir  tha  a  shiol-san  a' 
fantuinn  ann  :  agus  chart  'eil  e  'n  comas  da  peacadh  a  dheanamh,  do  bhrigh 
gu'n  do  ghineadh  o  Dhia  e.  1  Eoin,  Hi.,  9. 


SIN  agad,  a  leughadair,  earraim  de'n 
Sgriobtur  a  bhiodh  anabarrach  freagarrach 
mar  chuspair  -  bruidhne  aig  coinneamh  - 
cheiste ;  cho  freagarrach  's  gu  bheil  mi 
cinnteach  gu  robh  i  air  a  toirt  a  mach  mar 
bhonn-ceiste  iomadh  uair  cheana.  Fosglajdh 
mise  a'  cheist  mi  fein  air  an  duilleig  so,  ach 
bhithinn  an  comain  mhinistearan  agus  cheist- 
earan  anns  a'  Ghaidhealtachd  na'n  cutreadh 
iad  chugam  air  son  na  h-ath  Aireamh  am 
beachdan  air  an  fhacal  a  sgriobh  Eoin,  nach 
'eil  e  'n  comas  do  neach  a  ghineadh  o  Dhia 
peacadh  a  dheanamh. 

A  bheU  sin  a'  ciallachadh  gu  bheil  fior 
shluagh  an  Tighearna  gun  pheacadh,  no  gu 
bheil  neach  air  bith  a  ni  peacadh  a'  dearbh- 
adh  leis  a'  pheacadh  sin  nach  do  ghineadh 
o  Dhia  e  ? 

Anns  a'  cheud  chaibideil  de'n  litir  so  tha 
Eoin  ag  radh,  "  Ma  their  sinn  nach  'eil 
peacadh  againn,  tha  sinn  'g  ar  mealladh 
fein,  agus  chan  'eU  an  fhirinn  annainn," 
ach  anns  an  earraim  so  tha  e  ag  radh  (a' 
labhairt  ris  na  ceart  chreidmhich),  "  Ge  b'e 
neach  a  ghineadh  o  Dhia  chan  'eU  e  'n  comas 
da  peacadh  a  dheanamh."  Ciamar  a  ghabh- 
ar  ris  an  da  fhacal  sin,  gun  an  dara  fear 
dhiubh  a  bhi  'n  aghaidh  an  f  hir  eile  ? 

So  agad,  ma  ta,  far  am  biodh  Concordance 
Gaidhhg  feumail,  agus  far  a  bheil  an  ceart- 
achadh  mu  dheireadh  a  rinneadh  air  a' 
BhiobuU  Ghaidhlig  a'dearbhadh  gu'm  b'aithne 
do'n  fhear  nach  maireann,  an  t-OUamh  Iain 
Mac  GiU-eathain,  a  ghnothuch.  Am  facal 
Greigis  a  sgriobh  Eoin,  an  uair  a  thubhairt 
e,  Chan  'eil  e  'n  comas  da  peacadh  a  dheanamh, 
sin  a  cheart  fhacal  a  sgriobh  Lucas,  an  uair 
a  tha  e  ag  innseadh  mu'n  fhear  a  thubhairt 
r'a  charaid  a  thainig  a  dh'iarraidh  iasad 
arain  air  gu  h-anmoch  (Lucas  xi.,  7).  "  Tha 
mo  chlann  maiUe  rium  anns  an  leabaidh  ; 
chan  'eU  e  '%  comas  dhomh  eirigh." 

A  Thoil  F6in. 

Cha  robh  e  a'  ciallachadh  nach  b'urrainn 
dha  eirigh  a  chionn  gu  robh  an  leum-droma 
air,  no  a  chionn  gu  robh  pairilis  'n  a  chasan, 
no  a  chionn  gu  robh  aobhar  corporra  air 
bith  a'  bacadh  dha  eirigh  ;  bha  e  a'  cial- 
lachadh nach  robh  e  air  son  eirigh  ;    gu'n 


robh  a  thoil  fhein  'g  a  cheangal  ris  an 
leabaidh. 

So,  ma  ta,  a  cheart  rud  a  tha  am  facal  a 
sgriobh  Eoin  a'  ciallachadh,  "  An  ti  a 
ghineadh  o  Dhia  chan  'eil  e  'n  comas  dha 
peacadh  a  dheanamh."  Chan  'eil  e  a'  ciall- 
achadh nach  rachadh  aige  air  peacadh  a 
dheanamh  a  chionn  gu  bheil  cumhachd 
air  chor-eigin  a  tha  os  cionn  a  thoile  fein 
'ga  chumail  air  ais,  no  'ga  dheanamh 
eu-comasach  dha ;  tha  e  a'  ciallachadh 
nach  e  a  thoil  fein  peacadh  a  chur  an 
gniomh  a  chionn  nach  'eil  caU  aige  dha. 
Theagamh  gu  robh  call  aige  do'n  pheacadh 
uaireigin,  ach  o'n  la  a  bhlais  e  gur  maith 
agus  gur  mills  Dia  chaill  e  a  chaU  do'n 
pheacadh,  agus  is  e  uile  iarrtus  anama  a  nis 
iimhlachd  a  thoirt  do  lagh  Dhe  agus  a  thoil 
fein  a  striochdadh  do  thoU  Dhe.    Ghineadh 

0  Dhia  e,  is  tha  beatha  Dhe  'n  a  anam, 
agus  mar  sin  tha  cumhachd  agus  solasan 
eile  aige  'n  a  anam  a  tha  'g  a  thogail  os 
cionn  solasan  peacach. 

Cuing  agus  saorsa,  saorsa  agus  cuing,  tha 
iad  a'  dol  comhla  daonnan  ann  am  beatha 
chreidmheach  ;  gach  neach  a  ghabhas  cuing 
Chriosd  air  chan  urrainn  dha  a  radh,  ciod 
air  bith  a  their  daoine  eile,  gu  bheil  e  saor 
gu  bhi  a'  peacachadh.  Cho  luath  's  a  ghabhas 
e  an  t-saorsa  sin  dha  fein  tha  e  a'  call  na 
saorsa  a  thug  Criosd  dha. 

M'  an  teid  mi  na's  fhaide  bu  mhaith  learn 
na  h-earrannan  so  air  a  bheil  mi  a'  bruidhinn 
a  chur  sios  mar  tha  iad  air  an  sgriobhadh 
anns  an  da  BhiobuU  a  bhios  mi  ag 
uisneachadh. 

An  Seana  BhiobuU. 

Lucas  xi.,  7.  Tha  mo  chlann  maUle  rium 
anns  an  leabaidh  :    chan  fhaigh  mi  eirigh. 

1  Eoin  iti.,  9.  An  ti  a  ghineadh  o  Dhia,  chan 
'eil  e  '%  comas  dha  peacadh  a  dheanamh. 

Am  Biobull  Ceartaichte. 

Lucas  xi.,  7.  Tha  mo  chlann  maille  rium 
anns  an  leabaidh :  chan  urrainn  domh 
eirigh  agus  toirt  dhuit. 

1  Eoin  iii.,  9.  Gach  neach  a  ghineadh  o  Dhia 
chan  urrainn  da  peacachadh. 


COIMHLIONTACHD  A'  CHREIDMHICH— ANNS  A'  CHATHAIR 


Anns  na  h-earrannan  so  co  dhiu  lean  na 
sgoilearan  a  rinn  an  ceartachadh  mu  dheir- 
eadh  air  a'  BhiobuU  an  riaghailt  mhaith  so, 
an  aon  fhacal  Gaidhlig  a  chur  daonnan  mu 
choinneamh  an  aon  fhacal  Eabhra  no  Greigis, 
ma  ghabhas  sin  deanamh  ;  chan  urrainn, 
chan  urrainn  an  aite  chan  fhaigh,  chan  'eil  e 
'n  comas  dha. 

A  bheil  e  comasach  do  dhaoine  naomh 
ruighinn  air  staid  cho  iomlan  's  gu'm  faodar 
a  radh  gu  bheil  iad  gun  pheacadh  1  Rainig 
aon  Neach  air  an  staid  sin,  agus  tha  cuid  de 
dhaoine  diadhaidh  a'  creidsinn  gu  bheil  e 
comasach  do  dhaoine  eile  a  bhi  gun  pheacadh 
cuideachd.  Is  e  sin  gnothuch  a  bhuineas  do'n 
Ti  uile-leirsinneach  a  mhain,  ach  ged  tha 
Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  ag  radh  nach 
'eil  e  comasach  do  neach  air  bith  o  thuit 
an  cinneadh-daonna  ann  an  Adhamh,  aithe- 
antan  Dhe  a  choimhead  gu  h-iomlan  cha  bu 
choir  dhuinn  air  a  shon  sin  criochan  a  chur 
roimh  Spiorad  an  Tighearn,  oir  chan  'eil 
ceann  no  crioch  aig  an  naomhachadh  a 
dh'f haodas  an  Spiorad  Naomh  a  dheanamh 
ann  an  daoine  iriosal  a  dh'fhosglas  a  h-uile 
oisean  d'  an  cridhe  dha. 

Tha  mi  an  dull  gu'n  do  theagaisg  Iain 
Wesley  gu  la  a  bhais  gu  bheil  e  comasach 
do  chreidmhich  saorsa  iomlan  fhaotainn 
annta  fein  o'n  pheacadh,  ach  ged  bha  e  a' 
creidsinn  gu'n  d'  fhuair  cuid  de  dhaoine  a 
b'  aithne  dha  an  t-saorsa  bheannaichte  so 
cha  d'  aidich  e  riamh  gu'n  d'fhuair  e  fein  i. 
Cha  mho  a  dh'aidich  Pol  ;  "  chan  e,"  ars 
esan,  "  gu'n  d 'rainig  mi  cheana,  no  gu  bheil 
mi  cheana  foirfe,  ach  tha  mi  a'  leantuinn 
...  a'  dian-ruith  dh'ionnsuidh  a'  chomh- 
araidh." 

Tha  da  ni  ann  a  bu  choir  dhuinn  a  chumail 
'n  ar  n-inntinn  a  ghnath,  (1)  gu  bheil  sinn 
fada  fada  o  bhi  naomh,  agus  (2)  gu'm  faod 
sinn  cumhachd  Dhe,  agus  geaUadh  Dhe,  agus 
Spiorad  Dhe,  a  thagar,  ma  bu  mhaith  leinn 
obair  an  naomhachaidh  a  dhol  air  aghaidh 
'n  ar  beatha.  Agus  iadsan  a  ghineadh  o 
Dhia,  ciod  an  obair  eile  a  b'fhearr  leo  a  dhol 
air  aghaidh  annta  na  gu'm  biodh  iad  air  an 
deanamh  naomh,  gun  bhuaidh  aig  a' pheacadh 
thairis  orra  ? 

BeacM  Nach  Dean  Cron. 

Ged  tha  sinn  deas  gu  bhi  a'  faotainn  coire 
do    dhaoine    a    tha    a'    teagasg    gu    bheil    e 


comasach  dhuinn  saorsa  iomlan  fhaotainn  o 
chumhachd  a'  pheacaidh  anns  an  t-saoghal  so, 
chan  'eil  mi  an  diiil  gu'n  dean  am  beachd 
sin  uiread  de  chron  spioradail  do  dhaoine  ris 
a'  bheachd  eile  gu  bheil  sinn  uile  gu  leir 
truaillidh  gu  nadurra,  agus  a  dh'aindeoin 
ar  toile  no  ar  creidimh,  gu'n  lean  an  truaill- 
idheachd  sin  ruinn  gu  la  ar  bais,  agus  mar 
sin  nach  'eil  f sum  ann  dhuinn  diiil  no  ddchas  a, 
bhi  againn  ri  saorsa  o  chumhachd  a'  pheacaidh.  "^ 
Chan  ann  air  cumhachd  a'  pheacaidh,  no  air  • 
a'  ghreim  a  tha  aige  air  uile  bhuadhan  agus 
nadur  an  duine  a  bu  choir  dhuinn  ar  n-aii'e 
a  chumail,  ach  air  rim  Dhe  d'ar  taobh,  air 
an  t-saorsa  gus  a  bheil  Criosd  'g  ar  gairm, 
agus  air  comhnadh  an  Spioraid  Naoimh. 

Is  i  so  toil  Dhe,  eadhon  hhur  naomh- 
achadh-se. 

Iadsan  as  le  Criosd,  cheus  iad  an  fhedil 
maille  r'a  h-an-tograihh  agus  r'a  ana- 
■miannaibh. 

Thagh  Dia  sibh  o  thus  churn  slainte  tre 
naomhachadh  an  Spioraid. 

An  lathair  an  Ti  Naoimh  aig  a  bheil 
iomlanachd  'n  a  nadur  fein  chan  urrainn  | 
neach  air  thalamh  a  radh  nach  'eil  e  a'  ° 
peacachadh  'n  a  smuaintean,  agus  'n  a  thoil, 
agus  'n  a  aignidhean,  gach  mionaid  d'a 
bheatha,  ach  tha  aon  ghloir  aig  a'  ghrein 
agus  gloir  eile  aig  a'  ghealaich ;  aon  iom- 
lanachd a  bhuineas  do  Dhia  a  mhain  agus 
iomlanachd  eile  a  bhuineas  do  chloinn- 
daoine,  agus  ged  nach  bi  cridhe  mhic  an 
duine  gun  pheacadh  cho  fad  's  a  tha  e  anns 
an  t-saoghal  so,  agus  ged  nach  bi  e  iomlan 
mar  tha  Dia  iomlan,  tha  am  BiobuU  ag 
iarraidh  oirnn  a  bhi  coimhlionta  mar  tha 
ar  n-Athair  neamhaidh  coimhlionta.  Smuain- 
ich,  a  leughadair,  air  na  facail  so,  ciod 
a  tha  iad  a'  ciallachadh,  agus  ciod  am 
miighadh  a  tha  eatorra  ;  duine  maith  ; 
duine  diadhaidh  ;  duine  f  ireanta  ;  duine 
naomh  ;  duine  foirfe  ;  duine  coimhlionta  ; 
duine  iomlan. 

Co  ris  a  theireadh  tu  duine  iomlan  ?  Cha 
ruig  mi  leas  a  radh,  oir  chan  'eil  duine 
iomlan  air  thalamh.  Ach  theirinn  duine 
coimhlionta,  no  foirfe,  ri  duine  a  tha  a'  i 
giiilan  a  mach  'n  a  bheatha  a'  chrioch  a  \ 
bha  anns  an  t-sealladh  aig  Dia  an  uair  a 
chruthaich  e  e. 


Anns  a'  Chathair 


AN  uair  a  thoisich  an  cogadh  dh'aontaich  a' 
Pharlamaid  nach  biodh  duine  air  bith  air 
a  chur  do'n  arm  ma  bha  a  choguis  an  aghaidh 


dha  dol  ann,  agus  chuir  i  air  chois  Ciiirtean 
anns  am  biodh  e  air  a  rannsachadh  le 
breitheamhna  cothromach  co  dhiubh  a  tha 


ANNS  A'  CHATHAIR 


no  nach  'eil  an  fheadhainn  leis  nach  leig  an 
coguis  dol  do'n  arm  firinneach  is  treibh- 
dhireach  anns  na  tha  iad  ag  r^dh.  Bha  fios 
aig  a'  Pharlamaid  gu  maith  gu  bheil  seorsa 
dhaoine  ann  aig  a  bheil  a  leithid  de  choguis 
's  nach  b'  urrainn  dhaibh  dol  do'n  arm  gun 
a  miichadh,  ach  bha  fios  aice  cuideachd  gu 
bheil  seorsachan  eile  ann  a  dh'  fheuchadh  ri 
lethsgeul  a  dheanamh  d'  an  coguis  air  ghaol 
cunnart  is  saothair  a'  chogaidh  a  sheachnadh, 
agus  mar  sin  chuir  i  air  chois  na  Ctiirtean  so 
gu  bhi  mar  ghuit  no  fhasgnag  a  dhealachadh 
an  t-sil  o'n  mholl,  rud  a  tha  duilich  a 
dheanamh. 

Theagamh  gu'm  biodh  e  na  b'fhearr  agus 
na  bu  chothromaiche  air  a'  cheann  mu 
dheireadh  na'n  d'  thubhairt  a'  Pharlamaid 
agus  an  righ,  ''  Chan  e  ar  gnothuch-ne 
coguisean  dhaoine  a  cheasnachadh,  oir  am 
measg  leth-cheud  muillean  de  shluagh  tha 
coguisean  agus  beachdan  de  gach  seorsa 
agus  dath,  ach  is  e  ar  gnothuch-ne  an 
rioghachd  a  dhion,  agus  mar  sin  tha  e  mar 
fhiachaibh  air  muinntir  na  rioghachd  uile, 
a  tha  a'  sealbhachadh  a  sochairean  an 
laithean  sithe,  an  roinn  dhligheach  fein  a  dh' 
uallach  a'  chogaidh  a  ghiiilan." 

Lagh  Uasal. 

Ged  theireadh  a'  Pharlamaid  agus  an  righ 
sin  cha  bhiodh  ann  ach  rud  a  tha  cothromach 
agus  ceart,  ach  rinn  iad  rud  a  bu  chriosdaile 
agus  a  b'  uaisle ;  thug  iad  cothrom  do 
dhaoine  aig  an  robh  coguis  nach  leigeadh 
leo  dol  do'n  arm  seasamh  air  an  ais.  Bha 
a'  cheud  cheum  so  uasal  agus  criosdail,  agus 
chan  'eU  a  bheag  de  rioghachdan  anns  an 
t-saoghal  a  bheireadh  an  t-saorsa  so  do 
choguisean  an  t-sluaigh  ach  Breatunn  fein, 
ach  an  viair  a  thoisicheadh  air  an  ath  cheum 
a  ghabhail,  agus  a  shuidh  Cuirtean  na  coguis 
a  thoirt  binn  air  na  daoine  a  tha  a'  tighinn 
air  am  beulaibh,  thatar  a'  faicinn  nach 
ruigeadh  a'  Pharlamaid  a  leas  uiread  ioma- 
guin  a  bhi  oirre  mu  choguisean  an  t-sluaigh, 
oir  chan  'eil  anns  a'  mhor  chuid  de  na 
daoine  a  tha  ag  iarraidh  as  o'n  chogadh 
anns  na  Cuirtean  ud  ach  daoine  drannd- 
anach,  neo-thoilichte,  a  tha  air  an  dalladh 
le  an  laghaireachd  agus  an  dannarrachd 
fein ;  sliochd  nan  daoine  a  bha  ann  an 
uaimh  Adullaun,  a  tha  ag  radh,  an  ainm 
an  coguis,  nithean  a  chuheadh  eagal  air 
Socrates,  agus  air  Pol,  agus  air  an  Easbuig 
Butler. 

Theagamh  gu'n  saoil  thu,  a  leughadair,  gu 
bheU  a'  chainnt  so  gu  maith  laidir,  ach  ma 
leughas  tu  an  t-iomradh  a  gheibhear  anns  na 
paipearan-naidheachd  air  obair  Cuirtean  na 


coguis,  chi  thu  nach  'eil  agam  ach  an  tul- 
fhirinn.  An  uair  a  leughas  mi  an  seamsan 
faoin,  gun  bhun  gun  bh^rr,  a  bhios  a'  dol 
air  aghaidh  eadar  na  breitheamhna  agus  an 
fheadhainn  a  tha  iad  a'  ceasnachadh,  agus 
sin  uile  air  a  dheanamh  ann  an  ainm  Coguis, 
bithidh  e  a'  cur  feirge  agus  naire  orm  tamailt 
fhollaiseach  a  bhi  air  a  thoirt  do'n  Ghuth 
neamhaidh  so,  an  lochran  as  dealraiche  ann 
an  nadur  mhic  an  duine.  Agus  air  uairean 
bithidh  mi  a'  saoUsinn  nach  aithne  dhaibh, 
taobh  seach  taobh,  ciod  a  tha  am  facal 
Coguis  a'  ciaUachadh. 

Na  Paipearan-naidheachd. 

Theagamh  nach  'eil  an  gnothuch  cho  dona 
's  a  shaoileadh  tu  o  na  paipearan-naidheachd, 
oir  cha  toir  na  paipearan-naidheachd  a  bheag 
de  chunntas  ach  air  daoine  agus  air  nithean 
a  tha  iir  agus  annasach.  Faodaidh  e  bhith 
gu  bheil  iomadh  duine  grinn,  ciallach,  iriosal, 
ag  iarraidh  as  o'n  chogadh  ann  an  Cuirtean 
na  coguis  a  thuilleadh  air  an  fheadhainn  a 
bhios  ri  laghaireachd  m'  an  coraichean 
agus  mu  chor  an  t-saoghaU  ;  daoine  diuid 
agus  diadhaidh  nach  marbhadh  eadhon  a' 
mheanbh-chuUeag  gun  chadal  na  h-oidhche 
a  chaU  air  a  thailleamh.  Na  'm  bithinn-sa 
'n  am  bhreitheamh  air  a'  chuis  leigirm  an 
fheadhainn  sin  as  o  dhol  ri  aghaidh-bualaidh 
anns  a'  chogadh,  oir  is  ann  air  an  son  a  rinn 
a'  Pharlamaid  an  lagh  caomhail  so.  Tha  mi 
cinnteach  gur  e  so  a'  bhinn  a  bhios  na 
Ciiirtean  fein  a'  toirt  a  mach,  a  chionn  gu 
bheil  an  seorsa  dhaoine  so  toileach  obair  air 
bith  a  dheanamh,  no  cruadal  air  bith  fhulang 
a  chuidicheas  leis  an  rioghachd,  ach  a  mhain 
gunna  a  ghabhail  'n  an  laimh. 

x\ch  an  uair  a  thig  peasain  dhalma  air 
beulaibh  na  Cuirte,  cuid  dhiubh  a  tha  a' 
faotainn  aran  glan  air  bheag  saothair  ann 
an  seirbhis  a'  Chruin  agus  cuid  eile  dhiubh 
a'  faotainn  aran  nach  'eil  cho  glan  'n  an 
gUlean-dibhe  ann  an  tighean-osda,  far  a 
bheil  iad  a'  puinnseanachadh  agus  a  sgrios 
moran  d'  an  co-chreutairean,  agus  a  thoisi- 
cheas  na  peasain  sin  air  a  radh  gu  spailpeanta 
nach  'eil  iad  ag  aideachadh  gu  bheil  iighdarras 
air  bith  aig  a'  Chuirt  thairis  orra;  nach  'eil 
iad  a'  creidsinn  ann  an  Dia  no  ann  an 
eaglais  ;  nach  'eil  co-chomunn  aca  ri  luchd- 
aideachaidh  Chriosd  ;  nach  rachadh  iad  "s 
an  eadarginn  ged  chitheadh  iad  beubanachd 
an*  a  dheanamh  air  am  parantan  ;  nach 
tugadh  iad  balgam  uisge  do  shaighdear 
leonta  ;  nach  sguabadh  iad  iirlar  ann  an 
ospadal,  ma  bha  saighdearan  air  an  leigeil 
a  steach  ann  ;  an  uair  a  thoisicheas 
peasain   nach    'eil   tri    bliadhna  fichead  air 


ANNS  A'  CHATHAIR 


nithean  mar  sin  a  radh  ann  an  ainm  an 
coguis,  cha  bu  choir  do'n  Chiiirt  do]  ann  an 
argumaid  riu  idir,  oir  chan  e  an  coguis  a 
tha  a'  toirt  orra  seasamh  a  mach  o  dhaoine 
eile  ach  laghaireachd,  agus  aineolas,  agus 
dannarrachd  a  tha  annta  gu  nadurra. 

Daoine  Neonach. 

An  aite  a  bhi  a'  pliodaireachd  air  an 
t-seorsa  dhaoine  so  dol  do'n  arm  theirinn-sa 
riu  nach  leiginn  do'n  arm  iad  air  son  an 
t-saoghail ;  nach  cuirinn  de  thamaUt  air  na 
giUean  gasda  a  chaidh  a  mach  gu  h-uasal 
agus  gu  duineil  a  dhion  an  duthcha  an 
leithidean-san  a  dhol  'n  am  measg  ;  agus 
nach  mo  a  bhiodh  peanas  air  a  dheanamh 
orra  ach  a  mhaia  an  t-aideachadh  a  rinn  iad 
fein  nach  'eU  annta  ach  daoine  neonach 
nach  'eil  coltach  ri  daoine  eile,  agus  a  tha 
gun  fheum  do'n  rioghachd  an  la  na  h-airce. 

Anns  a  h-uUe  rioghachd  tha  aireamh 
mhaith  dhaoine  nach  'eil  mar  dhaoine  eUe  ; 
daoine  a  dh'fheumas  a  bhi  an  aghaidh  chaich 
daonnan,  a  chionn  gu  bheU  neonachas  no 
laghaireachd,  no  dannarrachd,  annta  gu 
nadurra,  agus  a  tha  an  diiil  gu  bheU  iadsan 
ceart  agus  an  saoghal  uile  cearr.  Ma's 
maith  mo  bheachd  is  ann  de'n  t-seorsa  so 
a  tha  a'  chuid  mhor  de  na  tha  dol  air 
beulaibh  Ciiirtean  na  coguis,  agus  a  reir  an 
aideachaidh  fein  tha  iad  cinnteach  as  an  da 
rud  so,  (1)  gu  bheil  coguis  gheur  agus  bheo 
aca,  agus  (2)  gu'n  rachadh  aca  air  an  t-saoghal 
a  chur  ceart  na'n  gabhteadh  an  doigh-san. 

Daoine  macanta  agus  iriosal. 

Ach  an  drasd  's  a  ris  chi  thu  gu  bheil 
seorsa  eile  a'  tighinn  air  beulaibh  nan 
Ciiirtean  ud ;  an  seorsa  a  bha  anns  an 
amharc  aig  a'  Pharlamaid  an  uair  a  rinn  i  an 
t-Achd  ;  daoine  ciuin  macanta  aig  a  bheil 
coguisean  maoth  gu  nadurra  agus  a  tha  air 
an  deanamh  na's  maoithe  le  am  beatha 
dhiadhaidh  fein ;  daoine  nach  togadh  an 
lamh  ri  duine  eile  air  son  an  t-saoghaU,  agus  a 
tha  a'  faireachdainn  'n  an  cridhe  fein  gu'm 
biodh  e  'na  pheacadh  eagallach  dhaibh  duine 
eUe  a  mharbhadh,  ged  nach  glaoidh  iad  sin 
air  na  sraidean.  Tha  breitheamhna  nan 
Cuirtean  siobhalta  agus  faireachail  ris  an 
t-seorsa  so  gun  teagamh,  ach  air  a  shon  sin 
tha  de  mheas  agam-sa  orra,  agus  de  urram 
agam  do'n  lochran  neamhaidh  ris  an  abrar 
Coguis  's  gu  bheU  mi  duilich  gu'm  feum  iad 
an  aon  Mhod  a  sheasamh  ris  an  fheadhainn 
eile  a  tha  Ian  de  fhein-fhireantachd  agus  de 
laghaireachd. 

Cha  robh  mi  a'  ciallachadh  an  uiread  so  a 
r^dh  an  uair  a  thoisich  mi ;  is  e  a  bha  'n  am 


bheachd  gu'n  iarrainn  air  na  ministearan  oga 
a  bha  anns  a'  Chollaist  air  dheireadh  orm 
fhein,  agus  aig  a  bheil  inntinnean  na's  geire 
agus  na's  subailte  na  tha  agam-sa,  cunntas 
cothromach  a  thoirt  dhuinn  air  Coguis  ;  a 
gne,  agus  a  h-ilghdarras,  agus  a  h-obair. 
Na  'm  faighinn  a  leithid  sin  de  chunntas  bhith- 
inn  anabarrach  toilichte  a  thoirt  am  foUais 
am  Miosachan  na  h-eaglais,  a  chionn  gu  bheil 
mi  cinnteach  gu'm  b'  fheairrd  simi  uUe  solus 
fhaotainn  air  a'  chilis  nach  'eil  againn.  So 
cuid  de  na  ceistean  a  bu  mhaith  learn  a 
bhi  air  am  freagairt, 

Ciod  a  tha  coguis  a'  ciallachadh  ? 

Ciod  an  daimh  a  tha  eadar  do  choguis 

agus  do  bheachdan  ? 

Am  faod  coguis  threibhdhireach  a  bhi 

aig  duine  dona  ? 

Ciod    a    theireadh    tu    ri    duine    nach 

leigeadh   a   choguis   leis   buntata   a   chur 

ged  leigeas  i  leis  buntata  itheadh  ? 

Ddrlach  Bhioran. 

Ach  ged  nach  'eU  mi  fhein  a'  dol  a  f hreagairt 
nan  ceistean  sin  bu  mhaith  leam  lan-an-dtiirn 
de  bhiorain  a  thoirt  do  neach  air  bith  eUe  a 
ghabhas  os  laimh  teine  f  hadadh  ;  cuid  dhiubh 
as  mo  choUle  bhig  fhein  agus  cuid  dhiubh  a 
coilltean  eile. 

Air  dhaibh  a  bhi  air  an  agairt  le  'n  coguis 
fein,  chaidh  iad  a  mach. — Eoin  viii.,  9. 

Chan  'eU  am  facal  coguis  ri  fhaotainn 

anns  an  t-Seann  Tiomnadh,  ach  ged  nach 

'eU  am  facal  ann,  bha  an  coguis  beo  ann 

an  daoine  anns  na  l^ithean  ud  mar  tha  i 

beo  annta  an  diugh. 

Cuiridh  fuaim  duilleig  air  chrith  air  theich- 
eadh  iad,  agus  tuitidh  iad  an  uair  nach  bi 
neach  an  tdir  orra. — Levit.  xxvi.,  36. 

Teichidh  an  t-aingidh,  gun  neach  bhi  an 
tdir  air. — Gnath- Fhacail  xxviii.,  1. 

Chaith  mise  mo  bheatha  a  thaobh  Dhe  anns 
an  uile  dheagh  choguis  gus  an  la  an  diugh. 
—Pol. 

Am  b'e  coguis  PhoU  a  thug  air  aon  rud 

a  dheanamh  aig  aon  am  'na  bheatha,  agus 

rud   calg-dhireach    'n   a   aghaidh   aig   am 

eUe? 

Coguis  neo-lochdach  a  thaobh  Dhe. — Pol. 
Coguis  anf  hann  ;    coguis  bheo  ;    coguis 

air   a    losgadh   le   iarunn   dearg ;     coguis 

ghlan ;     coguis   air   a   salachadh  ;     coguis 

mharbh ;      coguis    nach    feoraich    ceist ; 

coguis   mheallta  ;     duine   a   ni   coguis   de 

ni  suarach  ;    ciod  a  tha  na  facail  sin  a' 

ciallachadh  ? 

Ma  chaill  thu  do  choguis  chan  'eU  dad 
agad  air  fhagail  as  fhiach  dhuit  a  ghleidh- 
eadh. — Isaac  Walton. 


ANNS  A'  CHATHAIR^AOBHARAN  A'  CHOGAIDH 


Chan  'eil  daoine  air  an  t-saoghal  as  duiliche 
gnothuch  a  dheanamh  riu  na  daoine  aig  a 
bheil  coguisean  usaideach. —  Napoleon. 

Is  socrach  a'  chluasag  coguis  shaor  ;  mar 
sin    cum    beo    'n   ad    bhroilleach    an   lasair 


sholuis  a  chuir  Dia  ann,  agus  gu  ma  fearr 
leat  fulang  seach  fianuis  do  choguis  a 
mhtichadh.  Faodaidh  tu  bhi  cearr,  agus  do 
choguis  reidh  riut,  ach  tha  thu  ce^rr  gu 
cinnteach,  ma  tha  i  'g  ad  dhiteadh. 


Aobharan  a'  Chogaidh 

Leis  an  Urramach  Alasdair  MacFhionghuin,    Ph.D.,  an   Cill-mo- NaomTiaig 


IS  eigin  dhuinn  uile  a  bhi  a'  smuaineachadh 
gu  trie  gach  latha  mu'n  chogadh.  Bithidh 
cuid  a'  smuaineachadh  air  ach  gann  an 
comhnuidh,  a  chionn  an  clann  air  neo  an 
daimhich  a  bhi  ann  an  cunnart  air  a  thaUl- 
eamh.  Tha  e  soUleir  gu  bheil  deuchainn 
theann  air  thoiseach  oirnn  mar  shluagh  mu'n 
tig  a'  chomhstri  gu  crich  ris  an  urrainn  sinn 
an  n-aonta  a  chur,  oir  tha  an  namhaid  laidir 
ann  an  armachd  de  gach  seorsa,  agus  tha  e 
suidhichte  air  sinne  gu  sonruichte  a  smachd- 
achadh,  agus  ar  cumhachd  anns  an  domhan 
a  bhriseadh,  oir  tha  e  a'  creidsinn  gur  sinne 
a  tha  a'  seasamh  eadar  esan  agus  uach- 
dranachd  na  h-Eorpa  agus  ard  ughdarras 
feadh  an  t-saoghaU  uUe.  Faodaidh  nach 
'eU  e  ann  am  mearachd  'n  a  bheachd. 

Aobhar  na  Comhstri. 

Chuir  e  mor  ionghnadh  orm  a  bhi  a' 
cluinntinn  duine  a  tha  sonruichte  glic  ann 
an  gnothuichean  tuathanachais  ag  radh  gur 
searbh  do'n  rioghachd  so  dol  gu  cogadh  mu 
chilis  a  reiticheadh  ceathrar  fheara  pongaU 
'n  an  suidhe  mu  bhord  ann  an  uair  an  uairea- 
dair,  's  e  sin,  a'  cheist  a  bha  eadar  na  Gear- 
mailtich  agus  na  Polaich.  Tha  eagal  orm 
gur  beag  a  thuig  esan  de  ghne  na  ceiste  ud  ; 
agus  faodaidh  gu  bheil  moran  anns  an 
dtithaich  so  fhathast  aig  nach  'eil  tuigse  as 
fearr  oirre.  Ma  tha  iad  a'  saoUsinn  gu'm 
b'ann  a  mhain  mu  Dhantsig  agus  an  Amhach 
(The  Corridor)  a  bha  an  gnothuch,  tha  iad 
air  am  mealladh  :  cha  robh  armta  sin  ach 
lethsgeul  do  na  GearmaUtich  air  son  staid 
Pholand  a  bhriseadh,  agus  greim  a  ghabhail 
air  an  diithaich  agus  air  a  beartas  air  son 
am  maith  fein.  Cha  chreid  mise  gu'm  biodh 
e  ro  fhurasda  do  dha  Ghearmailteach  agus 
do  dha  Pholach  cordadh  uime  sin.  Rinn  na 
GearmaUtich  soiUeir  do'n  t-saoghal  uile,  nach 
b'e  cordadh  a  bha  dhith  orra,  ach  sgrios, 
creich,  agus  farsuingeachd  ;  agus  iighdarras 
thairis  air  sluagh  ris  an  robh  eud  agus  fuath 
aca.  Mar  sin,  amhuil  a  rinn  iad  cheana,  ann 
an  Austria  agus  ann  an  Checko-Slovakia, 
bhrosnaich  iad  an  sluagh  an  aghaidh  a  cheUe, 
ann  an  dochas  gu'n  creideadh  an  saoghal  gu 
»n  robh  aobhar  laidir  aig  a'  Ghearmailt  air 


son  dol  do'n  eadraiginn  :  agus  an  uair  a 
rachadh,  chriochnaicheadh  i  an  gnothuch 
mar  a  fhreagradh  oirre  fein.  Cha  chreid 
mise  gu  bheU  e  furasda  tighinn  gu  cordadh 
ri  daoine  d'an  creud  agus  d'an  cleachdadh 
an  saoghal  a  mhealladh  le  geallaidhean  fallsa, 
agus  cothrom  a  ghabhail  gu  leum  air  an 
coimhearsnaich  laga,  los  am  briseadh  agus 
an  slugadh,  mar  a  rinn  na  Gearmailtich  a  nis 
tri  uairean  taobh  a  stigh  da  bhUadhna,  's  e 
sin  mur  'eil  sinn  de  'n  aon  bheachd  riu  fein, 
gu  bheil  a  leithid  sud  de  mhealladh,  de 
fhoirneart,  agus  de  spuinneadh,  ceart  agus 
freagarrach  dhaibhsan  d'  am  bheU  e  comas- 
ach  :  gur  cumhachd  a  tha  a'  toirt  coir ; 
agus  nach  buin  do  'n  fhear  lag  ach  na 
cheadaicheas  am  fear  laidir  dha. 

Siol  nan  Sonn. 

Tha  sin  dona  gu  leor,  ach  tha  na's  miosa 
na  sin  eadar  sinne  agus  iadsan  an  diugh. 
Faodaidh  gur  e  a  bhi  a'  faicinn  ar  cunnart 
fein  a'  dliithachadh  a  chomh-eignich  sinn  mu 
dheireadh  gu  diilain  cogaidh  a  thoirt  do  'n 
Ghearmailt,  oir  a  reir  teagaisg  Hitler  'n  a 
leabhar  iomraiteach,  chan  'eU  crioch  idir  ri 
chur  ri  fas  agus  ri  uachdranachd  na  Gear- 
mailt ;  oir  tha  a  sluagh  de  shiol  nan  sonn, 
tha  iad  an  comhnuidh  a'  fas  na's  lionmhoire  ; 
mar  sin,  tha  e  soiUeir  gu  bheU  iad  air  an 
gairm  gu  bhi  a'  riaghladh  anns  an  t-saoghal. 
Is  e  an  dleasdanas,  cho  luath  agus  a  tha  iad 
laidir  gu  leor,  rioghachd  an  deidh  rioghachd 
a  cheannsachadh,  agus  a  thoirt  fo  'n  aon 
ordugh  riu  fein.  Am  bitheantas  foghnaidh 
dhaibh-san  maoidheadh,  gu  bhi  a'  faighinn 
an  toil  air  gach  cinneach  gun  dortadh  fola. 
Sin  an  teagasg  bha  iad  a'  maoidheadh  oirnne 
cheana,  gu  sonraichte  a  thaobh  oighreachdan 
Africanach  a  chaUl  iad  anns  a'  Chogadh 
Mhor  ;  agus  chan  'eU  an  teagamh  as  lugha, 
n'  an  soirbhicheadh  leis  a'  Ghearmailt  'n  a 
foirneart  air  a  coimhearsnaich  an  drasda, 
nach  b'  fhad  an  dail  gus  an  tionndadh  i 
oirnne  le  a  h-uile  chumhachd. 

Chan  'eil  teagamh  nach  e  so  roinn  mhaith 
de  aobhar  a'  gheallaidh  a  thug  sinne  agus 
an  Fhraing  do  Pholand,  agus  a  chuir  sinn 
gu  cogadh  goirid  'na  dheidh  ;    seadh,  gu'n 


AOBHARAN  A'  CHOGAIDH 


robh  sinn  fein  anns  a'  cheart  chunnart,  ged 
nach  robh  e  cho  dluth,  no  cho  bagraehail 
oirnne  is  a  bha  e  oirre-se. 

Prionnspalan  riaghlaidh. 

Ach  tha  tuilleadh  is  sin  air  a'  chuis  ;  agus 
gu  sonruichte  so,  na  prionnspalan  riaghlaidh 
a  tha  na  Gearmailtich  a'  cleachdadh  'n  an 
diithaich  fein,  agus  anns  na  duthchanna  a  tha 
iad  a'  cur  fo  'n  cuing.  Na  'n  robh  na  prionn- 
spalan sin  cothromach  ;  'n  an  robh  an  Staid 
Ghearmailteach  a'  cur  dion  laghail  air  beatha, 
air  cuid,  agus  air  coirichean  cumanta  dhaoine; 
n'  an  robh  i  a'  ceadachadh  dhaibh  saorsa 
coguis,  saorsa  beachd,  saorsa  facail,  agus 
saorsa  cruinneachaidh  ;  agus  na  'n  robh  i  a' 
feuchainn  ri  ceartas  a  fhrithealadh  do  gach 
seorsa  sluaigh  a  tha  an  taobh  a  stigh  d'a 
criochaibh — ni  air  son  an  robh  an  t-seann 
lompaireachd  Romanach,  a  dh'  aindeoin  a 
cruais,  iomraiteach  agus  onorach — is  docha 
nach  bu  mhiosa  do  'n  t-saoghal  ise  a  sgaoil- 
eadh  a  sgiathan,  agus  a  cothrom  a  dhol  ann 
am  meud,  na  'n  tachradh  sin,  gun  mhilleadh 
no  gun  chall  d'a  coimhearsnaich.  Cha 
mhotha  bhiodh  e  furasda  a  roinn  de  dhuth- 
channa  nach  'eil  'g  an  oibreachadh  a  dhitiltadh 
dhi. 

Ach  an  aite  sin,  is  ann  a  tha  againn  anns 
a'  Ghearmailt  an  diugh  seorsa  riaghlaidh  a 
tha  'n  a  aobhar  uamhais  ;  a  tha  a'  deanamh 
tair  air  duine  mar  dhuine  ;  a  tha  a'  diiiltadh 
dha  dion  laghail  air  a  phearsa  agus  air  a 
chuid  ;  a  spionas  a  mach  o  chagailt  e,  a 
thilgeas  am  priosan  e  ;  a  sgiursas  e  gus  am 
bi  fheoil  'g  a  sracadh,  agus  a  mharbhas  e, 
gun  chiiirt,  gun  mhod,  chan  ann  air  son  eucoir 
air  bith,  ach  air  son  bheachdan  ;  no  a  chionn 
gu  bheil  full  ludhach  ann  ;  no  do  bhrigh 
nach  toir  e  do  Hitler  an  umhlachd  a  bhuineas 
a  mhain  do  Dhia.  Geur-leanmhuinn,  far- 
chluais,  agus  eagal — sin  priomh  innealan 
riaghlaidh  na  h-Uachdranachd  ud,  a  tha  a' 
deanamh  tair  air  gach  sluagh  anns  nach  'eil 
fuil  Ghearmailteach  ;  a  tha  a'  deanamh  tair 
shonruichte  agus  eucoir  nach  gabh  tomhas 
air  na  h-Iudhaich  ;  a  tha  a'  deanamh  tair 
air  Criosd  agus  air  prionnspalan  a  theagaisg, 
gu  sonruichte  irioslachd,  truacantas,  trocair, 
gradh  coimhearsnaich,  deagh-ghean  do 
dhaoine  mar  dhaoine  ;  tha  na  prionnspalan 
diadhaidh  so  uile  air  an  aicheadh  agus  air 
an  toirmeasg.  Tha  an  oigridh  'g  an  teagasg 
ann  an  spiorad  nan  gaisgeach  's  e  sin  cruas, 
uabhar,  agus  naimhdeas  ;  agus  tha  cogadh, 
sgrios,  spiiinneadh,  agus  cumhachd  thairis  air 
rioghachdan  eile,  air  an  glorachadh  dhaibh 
leosan  a  tha  'g  an  oileineachadh. 


Crois  nan  cinneach. 

Chan  fhaicear  a'  Ghrois  Chriosduidh  'n  am 
measg,  ma  ghabhas  i  falach  ;  ach  chithear 
gu  leor  de  sheann  Chrois  Cham  dhuaichnidh 
nan  cinneach,  anns  nach  'eil  cuimhneachan 
air  ni  maith  air  bith.  Ged  nach  leig  an  t-eagal 
leo  na  h-eaglaisean  a  dhunadh,  tha  iad  a' 
tarruing  na  h-6igridh  uapa,  anns  a'  bheachd 
ann  an  tiine  ghoirid,  gu'm  bi  na  h-eaglaisean 
gun  chomhthionailean,  agus  gu'm  basaich 
an  Creideamh  Criosduidh  de  chion  luchd- 
aideachaidh.  Mar  sin  tha  iad  an  dochas 
gu'n  teid  as  do  phriomh  namhaid  na  Gear- 
mailte  Moire — 's  e  sin,  am  bacadh  a  tha 
teagasg  Chriosd  a'  cur  air  riiintean  breuna, 
foirneartach  ;  agus  gu'm  faigh  an  sar-shluagh 
so  mu  dheireadh  an  cead  gu  bhi  a'  leagail  an 
cuinge,  le  an  cumhachd  armaichte,  thairis  air 
rioghachdan  as  luige,  gun  choguis,  gun 
amharus,  gun  bhuige.  Bithidh  uachdranachd 
aca-san,  tha  iad  an  dochas  o  fhairge  gu  fairge, 
agiis  o'n  abhainn  gu  ruig  criochan  na  talmh- 
ainn — "  a'  Ghearmailt  os  cionn  nan  uile," 
mar  a  dh'  eigheas  iad  'n  an  comhdhailean. 

A'  Ghairm. 

Ann  an  aon  fhacal,  tha  iad  ann  am  beachd 
an  diithaich  fein,  agus  duthchanna  eile  a 
riaghladh  le  prionnspalan  Shatain.  Sin 
agaibh  a  reir  mo  thuigse-sa,  fior  aobhar  a' 
chogaidh  so,  an  oidhirp  ud  air  Staid  Ain- 
diadhaidh  euceartach  a  dheanamh  uile- 
chumhachdach  anns  an  Roinn-Eorpa  ;  oir 
cho  luath  is  a  nochdadh  an  run  breun  ud  gu 
soilleir  do'n  t-saoghal,  thainig  gairm  o'n  aird 
nach  gabhadh  diiiltadh  gu  Breatunn  agus  an 
Fhraing  gu  sonruichte,  dol  an  uidheam  gu 
bhi  a'  briseadh  na  h-oidhirp  eu-ceillidh  agus 
a'  toirt  gu  neo-ni  rim  dorcha  nan  amadan. 
Chan  'eil  sinne  no  an  Fhraing  gun  iomadh 
aobhar  aithreachais  ann  am  fianuis  Dhe  agus 
dhaoine  ;  ach  a  dh'  aindeoin  sin  uUe,  fhuair 
sinn  a'  ghairm  eifeachdach  so  ann  am  freasdal 
Dhe.  Fuihngidh  sinn  uile  gun  teagamh  ;  ach 
tha  ar  sluagh  an  diugh  aonaichte  agus  taingeU 
gu  bheil  iad  mu  dheireadh  'n  an  seasamh,  a' 
comhrag  air  son  firinn,  saorsa,  agus  ceartas, 
feadh  an  t-saoghail,  seach  mar  a  bha  iad  fad 
bhhadhnachan  ann  an  ioma-cheist  agus  naire, 
am  feadh  is  a  bha  na  fir-staid  aca  a'  feuchainn 
a  bhi  reidh  ri  reubairean  rioghachdan  agus 
creachadau'ean  anama  dhaoine. 

Aon  uair  eile,  ma  ta,  fhuair  sinne  mar 
shluagh  an  t-urram  ard  so,  eadhon  seasamh 
agus  comhrag  agus  fulang  air  sgath  na  tha 
a'  deanamh  beatha  mhic  an  duine  air  an 
talamh  luachmhor  agus  onorach.  Fuilingidh 
sinn  uile  ;  ach  biodh  deagh  mhisneach  againn. 
Tha  sinn  ann  an  slighe  ar  dleasdanais  ;    tha 


AOBHAKAN  A'  CHOGAIDH— AIG  AN  UINNEIG 


cumhachdan  neo-fhaicsinneach  'g  ar  neart- 
achadh  ;  agus  tha  deagh  aobhar  againn  a  bhi 


a'  creidsinn,  ged  a  bhruthar  ar  sail,  aig  a' 
cheart  am,  gu'n  saltrar  air  ceann  na  nathrach. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Alasdair  MacRath 

BHA  mi  duilich  fhaicinn  gu'n  do  chaochail 
am  ministear  maith  so  ami  an  deireadh 
lanuari ;  fear-teagaisg  soisgeulach  agus  fear- 
seanchais  gasda  aig  an  robh  moran  naidh- 
eachdan  mu  sheana  mhinistearan  an  taobh 
Tuath. 

Bhris  air  a  shlainte  ann  an  1932,  agus 
b'  fheudar  dha  an  eaglais  a  bha  aige  ann 
an  Tung,  an  Cataibh,  fhagail.  M'an 
deachaidh  e  do  Thung  an  1926,  bha  e  ann 
am  Partick,  an  Glaschu  ;  'na  dheidh  sin  an 
Craoich,  an  Cataibh  ;  ann  an  Tairbeart 
Chimi-tire  ;  agus  ann  an  Rattraidh,  am 
Peairt. 

Bhuineadh  e  do  Cheann-Loch-Biorbhuidh, 
agus  bha  e  diithchasach  dha  uidh  a  bhi 
aige  anns  na  "  daoine  "  agus  na  "  mnathan 
diadhaidh "  o  shean  air  am  biodh  e  a' 
deanamh  seanchais  agus  a  sgriobhadh. 
Bha  ealain  mhaith  aige  air  Gaidhlig  a 
sgriobhadh,  agus  ged  nach  robh  e  fein  'g  a 
shaoUsinn,  bha  na  nithean  a  bhiodh  e  a' 
sgriobhadh  as  a  cheann  fhein  moran  na  b' 
fhearr  na  na  nithean  a  bhiodh  e  a'  dioghlum 
cho  curamach  a  teagasg  agus  seanchas  nan 
aithrichean  agus  nan  "  daoine  "  an  Cataibh 
agus  an  Ros. 

Bha  e  'na  mhinistear  soisgeulach,  agus 
theodhadh  a  chridhe  ri  fuaim  "  dusgaidh," 
ge  b'e  aite  no  doigh  anns  an  robh  an 
dusgadh  a'  dol  air  aghaidh.  Leugh  mi  dha 
no  tri  de  na  leabhraichean  a  sgriobh  e, 
leabhraichean  beaga  ciibhraidh  anns  a  bheil 
bias  agus  aile  na  diadhaidheachd.  Sgriobh 
mi  uarreigin  cheana  mu  fhear  dhiubh  sin 
air  an  duilleig  so,  "  Teine  Dhe  am  measg  an 
Fhraoich." 

An  t-OUamh  Tearlach  D.  Bentinck 

Ann  am  mios  lanuari  thainig  call  eile  air 
Eaglais  na  h-Alba  le  bas  mo  charaid,  seana 
mhinistear  Dhornoch,  ministear  cho  maith 
's  a  bha  anns  an  taobh  Tuath. 

Rugadh  e  an  Cinn-Ghiubhsaich  an  1866  ; 
bha  e  air  oUeanachadh  an  Oilthigh  Dhun- 
eideann,  far  an  do  choisinn  e  M.A.  an  1886, 
agus  an  OUthigh  ChUl-rimhinn,  far  an  do 
choisinn  e  B.D.  an  1888.  An  deidh  dha  cead- 
searmonachaidh  fhaotainn  o  Chleir  Obar- 
neithe  bha  e  greis  'n  a  fhear- cuideachaidh 
an  eaglais  Chaluim-cille  an  Glaschu,  ach  an 
ceann  bliadhna  bha  e  air  a  shuidheachadh 


ann  an  Cnoc-Mhoire,  an  Inbhir-nis  (an  1889) 
agus  gun  e  ach  tri  bliadhna  fichead.  Ann 
an  1907  dh'fhag  e  Cnoc-Mhoire,  agus  chaidh 
e  do'n  eaglais  Mhoir  ann  an  Dornoch,  eaglais 
an  Naoimh  Gilbeart,  far  an  do  shaothraich 
e  gus  an  do  leig  e  dheth  obair  na  sgire  an  1934. 

Cha  robh  Tearlach  Bentinck  riamh 
comharraichte  mar  shearmonaiche,  ach  bha 
e  comharraichte  mar  aodhair  dileas  agus 
dleasdanach  a  bha  cho  fritheilteach  d'a 
choimhthional  's  gu'm  biodh  a  chas  air  na 
stair snichean  aca  gun  sgur.  Bha  mise  anns 
an  aon  chleir  ris  coig  bliadhna  ;  bhithinn  a' 
dol  do  Chnoc-Mhoire  gle  thric,  is  b'  aithne 
dhomh  gu  maith  doighean  Mhgr  Bentinck  ; 
ged  nach  deanadh  muinntir  Chnoc-Mhoire 
ach  am  meur  a  ghearradh  rachadh  e  g'  am 
faicinn,  is  leanadh  e  air  dol  'g  am  faicinn, 
gus  an  rachadh  i  na  b'  fhearr.  Bha  e  'n  a 
dhuine  seanchasach  ris  an  robh  e  furasda  do 
gach  seorsa  dhaoine  dol  a  bhruidhinn ; 
treabhaichean  agus  searbhantan,  balaich 
agus  caileagan  ;  bha  baighealachd  nadurra 
ann  a  bhiodh  a'  tarruing  dhaoine  'g  a 
ionnsuidh  mar  nach  tairngeadh  eolas  no 
talantan-labhairt. 

Bha  tiidh  mhor  aige  ann  an  obair  na 
h- eaglais,  aig  an  tigh  agus  thar  chuantan  ; 
gus  an  do  thoisich  an  aois  air  laighe  air  cha 
robh  ministear  eile  anns  an  taobh  Tuath  a 
bha  dol  cho  trie  ris  do  Dhixn-eideann,  far  a 
bheil  Cinn  na  h-Eaglais  a'  cur  an  comhairle 
ri  cheile  agus  a'  cur  nan  cuibhlichean  mu'n 
cuairt. 

Ach  ged  bha  lamh  aige  ann  an  obair  na 
h-eaglais  an  taobh  a  muigh  de  Sgir  Dhornoch 
cha  do  rinn  e  riamh  dearmad  (mar  is  trie  a 
tha  tachairt)  air  a'  choimhthional  fhein  ;  a 
Shabaid  agus  a  sheachduin  bhiodh  e  air  a 
thurusan  anns  a'  bhaile  am  measg  bhochdan 
agus  dhaoine  tinne. 

Bha  ealain  aige  air  airgiod  a  chruinn- 
eachadh,  agus  thruis  e  suim  mhor  a 
dheanamh  Axd-eaglais  Dhornoch  cho  breagh 
agus  cho  maiseach  's  a  bu  choir  dhi  bhith. 
A  thuilleadh  air  sin  sgriobh  e  leabhar  mor 
tiugh  mu  eachdraidh  na  h-eaglaise  Moire 
agus  mu  eachdraidh  na  sgire,  leabhar  nach 
b'  urrainn  duine  air  bith  a  sgriobhadh  gun 
mhoran  saothair  agus  rannsachaidh.  As  a 
thigh-tasgaidh  bhiodh  e  a'  toirt  nithe 
nuadh  agus  sean  do  Chomunn  Gaidhlig 
Inbhir-nis. 


AIG  AN  UINNEIG 


Mar  sheula  air  obair  agus  air  a 
sgoilearachd  thug  Oilthigh  Chill-rimhinn 
D.D.  dha  an.  1925. 

B'  e  an  t-Ollamh  Tearlach  Bentinck  am 
ministear  mu  dheireadh  a  b'  aithne  dhomh 
aig  an  robh  teaghlach  mor  ;  naoinear  o'n 
cheud  mhnaoi,  nighean  do'n  Urramach 
Seumas  Friseal,  M.A.,  a  bha  ann  an 
Earghlais,  dluth  do  Mhanachainn  Mhic 
Shimidh.  Ged  nach  'eil  cho  fada  o  shiubhail 
Seumas  Friseal  thubhairt  e  rium  uaireigin 
gu  'm  b'  esan  a'  cheud  mhinistear  a  ehunnacas 
riamh  air  bicycle  an  lonar-pheofharan  ;  bha 
seana  mhnathan  anns  na  dorsan  a'  glaodhach 
ris,  "  Mo  naire,  mo  naire." 

Dithis  a  bu  choire  no  a  b'  aoibheile  'n 
an  tigh  fein  na  Tearlach  Bentinck  agus  a 
bhean  chan  fhaigheadh  tu  ann  an  seachd 
siorramachdan.  Shiubhail  ise  ann  an  1932  ; 
ann  an  deireadh  a  laithean  phos  e  bantrach 
an  Urramaich  Seoras  R.  MacGill  Fhinnein, 
a  bha  ann  an  Inbhir-Theorsa. 

Anns  an  uair  sin  fein. 

Ann  an  soisgeul  Lucais  (XII.,  11-12)  tha  e 
air  a  radh,  "  Na  bitheadh  e  'n  a  ro-churam 
oirbh  cionnus  no  ciod  a  fhreagras  sibh,  oir 
teagaisgidh  an  Spiorad  naomh  dhuibh  anns 
an  uair  sin  fein  na  nithean  as  coir  dhuibh  a 
radh."  Chuala  mi  duine  maith  uaireigin  a' 
diteadh  mhinistearan  a  bhios  a'  leughadh 
an  searmoin,  agus  'g  a  sheasamh  fein  leis  an 
fhacal  so  a  soisgeul  Lucais.  Ciod  air  bith 
a  tha  na  briathran  a'  ciallachadh,  tha  mi  an 
diiU  nach  e  sin  a  tha  iad  a'  toirmeasg,  oir 
ma  tha  duine  air  a  theagasg  leis  an  Spiorad 
naomh  is  coma  do'n  luchd-eisdeachd  co 
dhiubh  a  leughas  no  labhras  e  an  ni  a  fhuair 
e  o'n  Spiorad  naomh. 

Ach  ma  tha  aon  air  bith  de  m'  bhraithrean, 
ministear  no  ceistear,  a'  dol  a  shearmonachadh 
air  a'  cheann-theagaisg  so  bu  mhaith  leam 
naidheachd  a  thoirt  dha  a  chuireas  solus  air 
a'  ghealladh  so  a  thug  Criosd  d'a  dheisciobuil. 

Uair  a  bha  Seoras  I.  Holyoake,  duine  aig 
an  robh  inntinn  laidir  gheur  ach  nach  robh 
a'  creidsinn  anns  a'  BhiobuU,  no  anns  a' 
chreideamh  Chriosduidh,  a  toirt  seachad 
oraid  ann  am  baile  ann  an  Sasunn,  c6  a  bha 
anns  an  Talla  mhor  anns  an  robh  e  a'  cur 
an  aghaidh  a'  Chreidimh  ach  am  fear  nach 
maireann,  an  t-Ollamh  loseph  Parker,  agus 
e  aig  an  am  'n  a  mhinistear  6g. 

Cha  robh  e  furasda  do  loseph  Parker  uair 
air  bith  a  bhi  samhach  agus  argumaid  a' 
dol  air  aghaidh,  agus  is  e  a  thainig  as  a' 
chomhdhail  ud  gu'n  do  lean  an  dithis  orra 
fad  tri  oidhchean,  a'  freagairt  a  cheile  agus 
a'  reusonachadh  mu  Dhia,  agus  mu'n 
BhiobuU,  agus  mu  Chriosd. 


Fad  nan  tri  oidhchean  chaidh  an  deasbud 
air  aghaidh  gu  ciallach  agus  gu  h-uasal,  gun 
an  dara  fear  ag  ^iih' -dad  a.bheireadh 
oilbheum  do'n  fhear  eile,  ach  gach  fcaj;. 
dhiubh  a'  seasamh  a  bheachdan  fein  mar  a 
b'  fhearr  a  b'  urrainn  dha. 

An  uair  a  chuir  Holyoake  a'  cheist  so  air 
Parker,  "  An  do  chuidich  Dia  le  Stephen  an 
uair  a  bha  e  air  a  chlachadh  agus  air  a 
mharbhadh,  no  an  do  rinn  e  dad  idir  air  a 
shon  ?  ",  cha  robh  fhios  aige  fad  ceathramh 
na  mionaide  ciod  an  fhreagairt  chothromach 
a  bheireadh  e  do'n  cheist,  oir  cha  b'  urrainn 
e  a  radh  gu'n  do  shaor  Dia  Stephen  o'n 
bhas,  no  gu'n  robh  a  fhreasdal  timchioU  air 
'n  a  ch^s.  Ach  ann  an  ceathramh  na 
mionaide  sin  rinn  e  mar  rinn  Nehemiah,  rinn  e 
urnuigh  ri  Dia  nan  neamh,  agus  gu  la  a 
bhais  bha  e  cinnteach  gu'n  do  chuir  an 
Spiorad  'n  a  bheul  na  briathran  leis  an  do 
fhreagair  e  a'  cheist.  "  Ged  nach  do  shaor 
Dia  'n  a  fhreasdal,"  ars'  esan,  "  Stephen  o'n 
bhas,  agus  ged  nach  cuala  agus  nach  faca  na 
mortairean  dad  a  dhearbhadh  dhaibh  gu  robh 
Dia  dluth  d'a  sheirbhiseach,  rinn  Dia  ni  a 
bu  mhiorbhuiliche  air  a  shon  na  ged 
chuireadh  e  aingiean  'ga  shaoradh,  thug  e  ■! 
comas  do  Stephen  a  radh,  '  A  Thighearna,  *' 
na  cuir  am  peacadh  so  as  an  leth.'  Sin  agad 
ciod  a  rinn  Dia  air  son  a  sheirbhisich,  agus 
ma  dh'  aontaicheas  tu  gu  bheil  cumhachd 
air  bith  ann  am  ministrealachd  spioradaU  , 
de'n  t-seorsa  sin,  no  gu  robh  buaidh  air  bith 
aig  briathran  Stephein  air  cridheachan 
dhaoine  eUe  troimh  na  linntean,  saoihdh  mi 
gu'n  aidich  thu  gu'n  do  rinn  Dia  'na  fhreasdal 
ni  mor  agus  miorbhuUeach  air  son  Stephein." 

Bha  Seoras  Holyoake  'n  a  dhuine  onorach, 
uasal  an  deasbud  agus  an  argumaid,  agus 
cha  d'thubhairt  e  an  corr  air  a'  phuing  ud  ; 
dh'  fhag  e  an  gnothuch  mar  dh'  fhag  Parker 
e  gun  a  fhreagairt. 

Obair  Dhiomhain 

An  uair  a  thoisicheas  duine  air  e  fhein 
fhireanachadh  theid  aige  air  dreach  na 
firinn  a  chur  air  a'  bhreig. 

Tha  an  dara  leth  de  shluagh  an  t-saoghail 
a'  cur  seachad  an  dara  leth  d'  an  uine  'g  am 
fireanachadh  fhein. 

An  uair  a  chuireas  duine  roimhe  rud  air 
bith  a  dheanamh  gheibh  e  fichead  lethsgeul       \ 
air  son  a  dheanamh. 

Agus  gabhaidh  e  ris  an  lethsgeul  a  ni  e 
fhein  ged  nach  gabhadh  e  ris  na'ni  b'  e 
duine  eile  a  rinn  e. 

Chan  'eil  mealltair  air  an  t-saoghal  as 
miosa  na  an  fhdin-speis  a  tha  ann  an  cridhe 
gach  duine. 

M'COK^ODALE 


Aireamh  4 


1940 


Co  ris  a  tha  Dia  coltach? 

"  Ciod  'ur  barail  ?  Ma  bhitheas  ceud  caora  aig  duine,  agus  gu'n  teid  aon  diuhh  air 
seachran,  nach  fag  e  na  naoi  caoraich  dheug  agus  ceithir  fichead  air  na  beanntaibh,  agus 
nach  teid  e  dW  iarraidh  na  caorach  a  chaidh  air  seachran." — Mata  xviii.  12 


SIN  agad,  a  leughadair,  ceist  a  bha  daoine  a' 
cur  bho  thoiseach  an  t-saoghail,  agus  a  bhios 
iad  a'  cur  gu  deireadh  an  t-saoghail,  "  Co  ris 
a  tha  Dia  coltach  ?  "  Chan  fhaca  siiil  duine 
Dia  riamh,  agus  chan  fhaic  gu  brath,  oir  is 
Spiorad  Dia,  neo-fhaicsinneach,  neo-chrioch- 
nach,  gun  toiseach  laithean  agus  gun  deireadh 
beat  ha  aige. 

Cha  ruig  thu  leas  a'  cheist  so  a  chur  air  an 
luchd-ealain,  oir  chan  e  mhain  nach  'eil 
freagairt  aca  dhi  ach  their  iad  riut  nach  e 
an  gnothuch-san  freagairt  a  thoirt  do  cheist 
de'n  t-seorsa  so.  Their  iad  gur  ann  ri  nithean 
faicsinneach  a  tha  gnothuch  aca-san,  nithean 
a  ghabhas  tomhas  agus  dearbhadh  leis  an 
t-siiil,  no  leis  a'  chluais,  no  leis  an  eanchainn. 

Cha  mho  a  bhiodh  feum  ann  dhuit  a' 
cheist  so  a  chur  air  na  feallsanaich,  oir  chan 
'eil  freagairt  aca-san  dhi  ach  briathran  a 
bhios  iad  a'  sniomh  as  an  inntinneah  fein. 
Their  iad  gur  e  Dia  tobar  na  beatha  anns  a' 
chruthachadh,  no  tobar  na  firinn,  no  tobar 
na  maise,  no  mar  sin  eile  ;  rud  a  tha  fior 
gu  leoir  ach  anns  nach  'eil  biadh  do'n  anam. 

Is  e  am  BiobuU  an  aon  aite  anns  am 
faighear  freagairtean  do'n  cheist  so  a  riar- 
aicheas  inntinn  agus  anam  an  duine,  agus 
anns  a'  BhiobuU  fhein  gheibhear  na  freagair- 
tean as  fhearr  ann  an  teagasg  nam  faidhean, 
agus  an  fhreagairt  as  fhearr  air  fad  ann  an 
teagasg  losa  Criosd,  air  a  mhineachadh  agus  air 
a  shoUlseachadh  le  a  bheatha  agus  a  bhas  fein. 

Cuidichidh  an  luchd-ealain  agus  na  fealls- 
anaich leinn  an  t-eolas  air  Dia  a  fhuair  sinn 
anns  a'  BhiobuU  a  cheangal  agus  a  choth- 
romachadh  gu  h-6rdail  ris  gach  eolas  no 
fiosrachadh  eile  a  tha  againn  mu'n  chruth- 
achadh le  rannsachadh  na  h-inntinn,  agus 
an  t-eolas  sin  a  chur  ann  an  doigh  anns  an 
gabh  e  teagasg,  ach  cha  bhiodh  eolas  idir 
againn  air  Dia  mur  b'  e  gu'n  d'  fhoillsich 
Dia  e  fein.  Gus  an  labhair  e  fein  tha  Dia 
air  fholach  bhuainne. 

Teagasg  nam  faidhean. 

Mar  thubhairt  mi  cheana  is  e  faidhean 
Israeli  a  fhuair  an  t-eolas  a  b'  fhearr  air 
Dia  a  bha  aig  daoine  air  bith  anns  an  t-seann 
t-saoghal  ;  an  uair  a  bha  feallsanaich  agus 
ard-sgoilearan  ann  an  diithchannan  eile,  a 
bha  a'  saoilsinn  gu  robh  iad  fada  air  thoiseach 


air  na  h-Iudhaich,  ag  aoradh  do  dhiathan  de 
iomadh  seorsa,  bha  na  faidhean  a'  toirt 
fianuis  nach  'eil  ann  ach  Aon  Dia,  an  Dia 
beo  agus  fior  a  tha  uile-chumhachdach  agus 
uile-leirsinneach  ;  ceart  'n  a  uile  shlighibh 
agus  naomh  'n  a  uile  ghniomharaibh. 

"Ciod  leis  an  tig  mi  ann  am  fianuis  an 
Tighearna  :  leis  an  striochd  mi  mi  fein 
an  lathair  an  Dia  as  airde.  An  tig  mi  'na 
fhianuis  le  iobairtibh-loisgte  .  .  .  Dh'fheuch 
e  dhuit,  0  dhuine,  ciod  a  tha  maith  ;  agus 
ciod  a  tha  an  Tighearn  ag  iarraidh  ort, 
ach  ceartas  a  dheanamh,  trdcair  a  ghradh- 
achadh,  agus  glusaad  gu  h-iriosal  maille  ri 
d'  Dhia.' '—{Micah  vi.  6-8.) 

"  Is  iad  iobairtean    Dhe  spiorad  briste  ; 

air  cridhe  briste  agus  bruite,  a  Dhe,   cha 

dean  thusa  tair."- — (Salm  li.  17.) 

Tha  corr  agus  da  mhile  bliadhna  o  bha  na 

briathran  sin  air  an  sgriobhadh,  ach  nach  e 

so  na  smuaintean  a  tha  againn  mu  Dhia  an 

diugh  fhathast,  agus  nach  e  so  na  h-iobairtean 

spioradail  a  bhios  sinn  a'  feuchainn  ri  thoirt 

'n  a  lathair  ? 

"  Co  as  Dia  ann  cosmhuil  riutsa,  a  mhaith- 
eas  aingidheachd,  agus  a  ghabhas  seachad 
air  easaontas  iarmaid  'oighreachd ;  cha 
ghleidh  e  a  chorruich  gu  siorruidh  a  chionn 
gur  toigh  leis  trdcair  ?  " — (Micah  vii.  18.) 

"  Ghradhaich  mi  thu  le  gradh  siorruidh, 
agus  le  coibhneas-graidh  tharruing  mi  thu  J" — 
(leremiah  xxxi.  3.) 

"Dealaichidh  na  sleibhtean  ri  'm  bunaitean, 
agus  atharraichear  na  beanntan  as  an  aite, 
ach  cha  dhealaich  mo  choibhneas  riutsa,  agus 
chan  atharraichear  coimhcheangal  mo  shithe, 
deir  an  Tighearn  aig  am  bheil  truas  dhiot." — 
(Isaiah  Iviv.  10.) 

Teagasg  nan  sagartan. 

An  uair  a  bha  na  sagartan  a'  teagasg  do'n 
t-sluagh  nach  biodh  Dia  toilichte  no  reidh 
riu  mur  tairgeadh  iad  iobairtean  dha,  agus 
mur  leanadh  iad  cleachdaidhean  follaiseach 
na  diadhaidheachd,  dol  do'n  teampuU,  feillt- 
ean  agus  laithean-traisg  a  choimhead,  agus 
mar  sin  eile,  theasgaisg  na  faidhean  gu  robh 
nithean  eile  a  bu  taitniche  le  Dia  na  bhi  'g 
am  faicinn  a'  seinn  agus  ag  urnuigh  anns  an 
teampuU. 


CO   RIS  A  THA  DIA  COLTACH  ?— AN  CU 


"  Clod  e  Uonmhoireachd  bhur  n-iobairtean 
dhomhsa  ?  deir  an  Tighearna.  Tha  mi 
sgith  dhiubh  ;  ann  am  full  tharbh  agus  uan, 
agus  bhoc-ghaibhre,  chan  'eil  mo  thlachd. 
Co  dh'iarr  so  oirbh,  an  uair  a  thig  sibh  'g 
'ur  taisbeanadh  fiin  ann  am  lathair-sa  ? 
Na  tugaibh  tabhartas  diom.hain  uaibh  na's 
mo  ;  bMir  gealaichean  ura,  agus  bhur  feill- 
ean  suidhichte,  is  fuath  le  m'  anam,  agus  an 
uair  a  ni  sibh  iirnuigh  chan  eisd  mi,  tha 
bhur  lamhan  Ian  fala.  Nighibh,  glanaibh  ; 
cuiribh  air  falbh  olc  'ur  deanadais  as  mo 
shealladh  ;  sguiribh  de'n  olc.  Fdghlumaibh 
maith  a  dheanamh ;  cuiribh  roimhibh 
ceartas  a  dheanamh  ;  cumaibh  coir  ris  an 
dilleachdan ;  tagraibh  cuis  na  bantraich." 
— (Isaiah  1.  (air  a  ghiorrachadh).) 
Cha  robh  teagamh  air  bith  aig  an  fhear  a 
sgriobh  sin  co  ris  a  bha  Dia  coltach. 

Ciamar  a  fhuair  e  an  t-eolas  sin  ?  An  ann 
as  a  cheann  fein  a  thainig  e,  no  o  bheachdach- 
adh  fein  ? 

Cha  do  labhair  gin  de  na  faidhean  mar  so, 
"  Bha  mi  a'  smuaineachadh  o  chionn  fada 
mil  Dhia,  agus  co  ris  a  tha  Dia  coltach,  agus 
is  e  so  an  comh-dhtmadh  a  thainig  mi  thuige." 
Chan  fhaigh  thu  a  leithid  sin  a  dh'fhacal 
anns  a'  BhiobuU  o  thoiseach  gu  deireadh. 
Tha  na  faidhean  uile  ag  radh  nach  e  iadsan 
a  bha  a'  labhairt  ach  Dia.  Chual  iad  guth  an 
Tighearna,  agus  b'e  an  cuid-san  innseadh 
do'n  t-sluagh  ciod  a  labhair  Dia.  Bha  facal 
an  Tighearna  mar  theine  'n  an  cnamhan, 
agus  cha  leigeadh  e  leo  a  bhi  'n  an  tosd. 

Teagasg  Chriosd. 

"  Dia  a  labhair  o  shean  gu  minic,  agus  air 
iomadh  doigh  ris  na  h-aithrichean  leis  na 
faidhean,  labhair  e  anns  na  laithean  deireann- 
ach  so  ruinne  tre  a  Mhac." — (Eabh,  I.  1-2.) 

Bha  losa  air  a  thogaU  ann  an  teaghlach  a 
mhathar  ann  an  Nasaret  air  teagasg  nam 
faidhean  mu  Dhia,  agus  an  uair  a  thoisich 
e  air  teagasg  e  fein  is  e  na  ceart  bheachdan 
a  bha  aca-san  mu  Dhia  a  thug  e  do'n  t-sluagh 
ach  a  mhain  gu  robh  e  na  bu  ghaolaiche  na 
bha  na  faidhean  air  a  bhi  a'  gairm  air  Dia 
mar  "  ar  n-  Athair  neamhaidh."  Sin  an  t-ainm 
leis  am  biodh  e  daonnan  a'  gairm  air  Dia, 
agus  lean  an  t-ainm  agus  an  dealbh  sin  air 
Dia   ann  an   cuimhne  nan  abstol  agus   na 


h-eaglais.  Ach  chan  ann  le  aimn  sonruichte 
no  le  briathran  sonruichte  mu  Dhia  a  dhuisg 
Criosd  aithreachas  agus  creideamh  agu.s 
gradh  do  Dhia  ann  an  cridheachan  dhaoine 
ach  leis  a'  choibhnsas-graidh  a  bha  ann 
fein,  coibhneas-graidh  a  bha  cho  nadurra 
dha  's  gu  robh  iad  a'  faireachduinn  gu  robh 
Dia  maille  riu  armsan. 

Dh'fhalbh  na  faidhean,  agus  chan  'eil 
fhios  againn  an  diugh  co  ris  a  bha  iad 
coltach,  ach  tha  dealbh  Chriosd — an  ni  a 
bha  e  agus  a  rinn  e — ann  am  broilleach 
muilleanan  de  dhaoine  air  thalamh,  agus 
is  e  an  dealbh  sin  a  tha  a'  toirt  dhuinn  nan 
smuaintean  a  tha  sinn  ag  altrum  mu  Dhia. 
"  An  ti  a  chunnaic  mise,"  ars'  e  fein,  "  chunn- 
aic  e  m'  athair,"  aon  de  na  facail  a  labhair 
e  anns  a  bheil  beatha  mhaireannach.  An  ni 
a  labhair  Criosd.  ri  grunnan  beag  dhaoine  ann 
an  Galile  anns  a'  cheud  linn  tha  Dia  a' 
labhairt  ri  clann-daoine  uile  gu  siorruidh. 
B'  esan  am  Facal  siorruidh,,  agus  a  chionn 
gu  robh  e  air  fhoillseachadh  anns  an  fheoil, 
cha  bhi  daoine  gu  brath  gun  fhios  aca  co  ris 
a  tha  Dia  coltach. 

Cha  d'  thubhairt  Criosd  riamh  r'a  dheisciob- 
uil  no  ris  an  t-sluagh,  Thigibh  agus  innsidh 
mi  dhuibh  mu  Dhia,  co  ris  tha  e  coltach. 
Cha  b'e  sin  a  dhoigh,  ach  dh'innis  e  naidh- 
eachdan  beaga  gaolach  dhaibh  a  chuir  an 
inntinnean  fein  air  ghluasad.  "  Ciod  'ur 
barail  fhein  ?  "  ars'  esan,  "ma  bhitheas  ceud- 
caora  aig  duine,  agus  gu'n  teid  aon  dhiubh 
air  seachran,  nach  fag  e  na  naoi  caoraich 
dheug  agus  ceithir  fichead  air  na  beanntaibh, 
agus  nach  teid  e  a  dh'iarraidh  na  caorach  a 
chaidh  air  seachran  .  .  .  mar  so  chan  e  toil 
bhur  n-Athar-sa  a  tha  air  neamh,  gu'n 
rachadh  aon  neach  de  'n  mhuinntir  bhig  so 
a  chall." 

Aon  as  a'  cheud ! 

Nach  beag  an  caU  sin ! 

Cha  bheag  ann  an  suilean  an  Tighearna  ; 
chan  'eil  peacach  anns  an  t-saoghal  cho 
iosal  no  cho  truagh  's  nach  'eil  Dia  'g  a 
ionndrainn  agus  'g  a  shireadh.  Agus  tha  e 
'ga  ionndrainn  cho  mor  's  gu'n  do  chuir  e  a 
Mhac  gradhach  a  bhasachadh  air  a  chrann- 
cheusaidh  air  a  shon.  Sin  agad  co  ris  tha 
Dia  coltach. 


An  Cu 


Lets  an  Ollamh  Colla  Ddmhnullach,  Lagan- 
mo- Choid. 

AIG  a'  cheart  uair  so  ann  an  eachdraidh  an 
t-saoghail,  chan  ann  gun  naire  a  bheir  mi  a' 
cheud  aite  anns  a'  chruthachadh  do'n  chinne- 


daonna.  Tha  sinn  a'  mort  agus  a'  marbhadh 
a  cheUe  air  muir  agus  air  tir  agus  anns  na 
speuran.  Tha  clach-mhuUaich  an  teampuill 
air  tuiteam  gu  lar  agus  esan  a  chruthaicheadh 
ann  an  iomhaigh  Dhe  a'  di-chuimhneachadh 


AN    CIT 


a  Chruithfhear.  Is  e  a'  cheist  a  tha  mi  a' 
cur  rium  fein,  c6  an  creutair  is  fhaisge  thig 
ann  an  gliocas  agus  ann  am  buaidhean 
beusail  eile  do  chrun  a'  chruthachaidh  ? 

Their  cuid  gur  e  an  t-each  an  caraid  is 
dilse  a  tha  aig  duine,  agus  tha  treubhan  ann 
an  cearn  no  dha  de'n  t-saoghal  a  tha  cinn- 
teach  gur  e  an  t-each  righ  ainmhidhean  an 
domhain.  Theagamh  gun  tagair  ah  t-Inns- 
eanach  a'  cheud  aite  do'n  elephant,  an 
ceithir-chasach  is  mo  air  thalamh  ;  agus 
air  son  dilseachd  agus  tuigse  nadurra  is 
airidh  an  elephant  air  cHii. 

Air  mo  shonsa  bheir  mi  a'  cheud  aite  do'n 
chu.  Tha  gradh  agus  dilseachd  a'  comharr- 
achadh  caraid  anns  gach  suidheachadh.  Tha 
an  cu  dileas  agus  cairdeil.  Ma  tha  a  mhaigh- 
stir  sgith,  agus  gu'n  suidh  e  air  creig  no  torn 
a  leigeil  dheth  a  sgitheas,  laidhidh  an  cii 
aig  a  chasan  mar  gu'n  abradh  e,  gabhaidh 
sinn  fois  comhla.  Ma  tha  a  mhaighstir  fo 
mhulad  leigidh  an  cu  a  thaic  ri  ghliiin  agus 
seallaidh  e  'na  ghnuis  le  suilean  tlath  coibh- 
neil.  Ma  tha  thu  tinn  chan  fhag  an  deagh 
chu  thu  gus  an  tig  feabhas  ort.  Co  nach 
cuala  mu'n  abhag  bheag,  Grey-friar's  Bobby  ? 
Lean  e  a  mhaighstir  chum  na  h-uaighe,  agus 
rinn  e  faire  air  an  tulaich  gus  an  do  ghlac 
am  bas  e  fein. 

An  cu-chaorach. 

Tha  iomadh  seorsa  chon  's  an  t-saoghal 
agus  cuid  dhiubh  air  gle  bheag  feuma  mar 
na  coin  bheaga  a  bhitheas  mnathan  proiseil 
a'  giiilan  'n  an  uchd  agus  'n  an  achlais.  Cha 
toir  mi  tuilleadh  iomradh  air  na  peasain  sin. 
Is  e  an  cu-chaorach  is  fhearr  is  aithne 
dhomhsa,  agus  tha  mi  a'  creidsinn  gu'n  d' 
thug  e  barr  air  gach  cu  air  son  dilseachd 
agus  tuigse.  Bha  mi  gle  eolach  air  ciobair 
ann  an  laithean  m'oige.  Chan  fhaca  mi 
riamh  e  gun  da  chu  aig  a  shall.  Bha  fear 
dhiubh  air  son  cruinneachadh  agus  fear  air 
sou  fuadach.  Bu  leoir  sealltainn  air  a'  chii 
agus  facal  no  dha  a  radh  agus  air  falbh 
ghabhadh  "  Ready,"  agus  dh-iomaineadh  e 
na  caoraieh  thar  raontan  no  taobh  beinne. 

Tha  ainm  a'  choin  a'  toirt  gu  m'  aire  gu  'n 
robh  ainmean  Gallda  aig  na  ciobairean 
Gaidhealach  air  an  coin,  agus  bha  an  seoladh 
trie  ann  am  Beurla  ged  bu  bheag  eolas  a' 
chiobair  air  a'  chainnt  sin.  Is  docha  gur 
e  na  ciobairean  a  thainig  o'n  deas  leis  na 
GoiU  an  uair  a  chaidh  a'  Ghaidhealtachd  fo 
chaoraich  a  thug  air  buachaillean  an  coin  a 
stiiiireadh  le  "  away  by  "  agus  "  wide  off." 

Sedrsachan  eile. 

Chunnaic  mi  coin  bhuidhe  laidir  ann  am 
Belgium    a'    tarruing    chairtean-bainne    da- 


chuibhleach  bho  na  croitean  do'n  bhaile 
mhor.  Tha  iad  gu  trie  a'  fagail  tigh  an 
tuathanaich  aig  bristeadh  an  latha  agus  a' 
tilleadh.  ann  am  beul  an  anmoich.  Ann  am 
Belgium  bha  na  coin  a'  deanamh  obair  nan 
each  eutrom  anns  an  duthaich  so,  agus,  gun 
teagamh,  tha  an  cii  na's  fhasa  a  bheathachadh 
na  each  agus  foghnaidh  oisean  beag  mar 
thigh-comhnuidh   dha. 

Tha  coin  mhor  ghasda  aca  ann  an  New- 
foundland ach  chan  'eil  agam  orra  ach  eolas 
nan  leabhraichean.  Tha  iad  fo  dheagh  chliu 
air  son  dilseachd  agus  caomhalachd.  Leigidh 
iad  le  clann  bheaga  am  beubanachadh  gun 
ghreann  a  chasadh  no  fiacaill  a  rtisgadh. 
Leugh  mi  mu  f  hear  de  na  coin  so  a  dh'f  hagadh 
mar  dhion  air  leanabh  a  bha  'na  chadal  ann 
an  creathaill.  Thainig  coigreach  an  rathad, 
agus  le  neonachas  gun  gho  sheall  e  anns  a' 
chreathaill.  Ach  ma  sheall  bu  daor  dha  a 
neonachas.  Bha  e  am  feum  lighiche  agus 
taillear  mu'n  do  ghabh  e  sraid  a  rithist. 

Ann  an  duthaich  nan  Eskimo  far  am  bheil 
sneachd  agus  reothadh  mor,  is  e  coin  a  tha 
tarruing  nan  slaod  dhaibh.  Cuiridh  iad  sia 
no  ochd  coin  ann  an  acfhuinn  agus  seolaidh 
an  t-seisreach  thathunnach  thar  sneachd 
agus  eighe  gun  sleamhnachadh  ceum.  Is 
e  an  seorsa  chon  so  a  chuidich  Peary  air 
a  thurus  buadhach  do'n  chearn  as  fhaide 
tuath  air  an  t-saoghal.  Is  e  coin  Eskimo 
a  bha  aig  Amundsen  an  uair  a  rainig  e  an^ 
gob  as  fhaide  deas. 

Coin  nam  manach. 

Tha  aon  seorsa  eile  air  an  togainn  sgeul. 
Is  e  sin  na  coin  a  tha  air  an  ainmeachadh 
air  an  Naomh  Bernard.  Tha  bealach  ard 
anns  na  beanntan  mora  a  tha  eadar  Suitser- 
land  agus  an  Eadailt.  M'  an  do  thoUadh 
na  beanntan  a  dheanamh  rathad  do'n  each 
iaruinn  bha  moran  a'  siubhal  thar  bealach 
Bhernaird.  Faisg  air  mullach  a'  bhealaich 
tha  tigh-mhanach  anns  am  bheil  daoine 
caomha  a  ni  cobhair  air  luchd-turuis  ann  an 
latha  na  h-eiginn.  Thig  cur  is  cathadh  gun 
fhios,  gun  rabhadh,  air  na  beanntan  arda, 
agus  is  trie  a  thuiteas  fir-astair  ann  an 
cuidhe  shneachd.  Le  cungaidh-leigheis  ann 
am  botul  mu'n  amhaich  agus  le  earasaid 
mhor  bhlath  air  an  druini  falbhaidh  na  coin 
an  toir  air  allabain  bhochda  a  thuit  anns  an 
t-sneachd.  Tha  an  cuinnean  cho  geur  agus 
gu'n  lorgaich  iad  duine  ged  a  tha  an  sneachd 
thairis  air.  Ma  theid  aig  duine  air  a' 
chungaidh-leighis  61,  agus  an  cleoca  a  chuir 
mu  ghuaillean  chan  'eil  aige  ach  an  cii  a 
leantuinn  chum  tigh-nam-manach  far  am 
bheil  blaths  agus  biadh  a'  feitheamh  air  gus 
an   tig   feabhas   air   an   t-sid.      Ma   tha   an 


4 


AN    CI' 


t-astarach  claoidhte  agus  ann  an  cunnart 
meileachadh  fanaidh  an  cu  leis,  agus  ni 
e  tathunn  gus  an  tig  manach  coir  a  ni  cobhair 
air.  Bha  aon  chii  ainmeil  aig  na  maaaich 
do'm  b'ainm  Barry.  Bha  sean-chuinneadh 
an  crochadh  ri  chrios  amhaich  ag  innseadh 
gun  do  thearuinn  e  da  fhichead  pearsa. 
Nach  bu  ghleusda  Barry!  Tha  meas  mor 
air  ball  oir  no  airgid  o  laimh  an  righ.  Is 
ann  air  son  treunadas  anns  a'  chogadh,  gu 
trie  air  son  aireamh  naimhdeanamharbhadh, 
a  choisneas  neach  sean  an  righ.  Nach  b' 
fhearr  a  choisinn  Barry  a  dhuais  na  iomadh 
M.C.  no  D.S.O. ! 

Is  aithne  do'n  chii  an  uair  a  thoilleas  e 
moladh  a  mhaighstir.  Thig  e  'ga  ionnsuidh 
le  ceann,  le  cluasan,  agus  ear  ball  ard.  Is 
fior  an  sean-fhacal  a  tha  ag  radh — is  aithne 
do'n  chu  a  lochd  fein.  An  sin  thig  e  'g  ad 
ionnsuidh  le  ceann  crom,  ceum  mail,  agus 
earbaU  eadar  a  chasan.  Tha  e  fo  sprochd 
gus  am  faigh  e  maitheanas.  Thoir  maith- 
eanas  dha  agus  an  sin  le  roid  iollagach,  agus 
le  leum  mhireagach,  innsidh  e  gu  soilleir 
gu'm  bheU  e  ann  an  daimh  chairdeil  d'a 
mhaighstir.  Chan  'eil  ann  an  cu  ach  cii, 
ach  bu  mhaith  na'n  robh  sinn  uile  cho 
dileas  agus  umhail  ris. 

Cu  an  tailleir. 

O  chionn  beagan  mhiosan  thug  thusa, 
fhir-deasachaidh  nan^jouilleagan  ;  Gaidhlig, 
^'^''  cuireadh  do  d'  Ouchd-leughaid£>  sgeul 
fhirinneach  air  tapadh  choiT  a  cEur  'g  ad 
ionnsuidh.  Chan  fhaca  mi  gu'n  do  chuir 
aon  leughadair  sgeul  thugad.  Chan  e  idir 
nach  'eil  iad  cho  gaolach  air  coin  riut 
fhein  agus  cho  eolach  air  dilseachd,  gaisge, 
agus  teomachd  chon.  Ach  tha  eagal  orra, 
ged  a  sgriobhadh  iad  smear  na  firinn  gu'n 
saoileadh  thu  gur  braithrean  iad  do  Chalum 
na  Croige. 

Tha  co-fharpais  coin-chaorach  air  a 
ghleidheadh  os  cionn  Bhaile-chloichridh  anns 
an  fhoghar,  agus  chi  thu  an  sin  tuigse, 
teomachd,  agus  tapadh  a  chuireas  iongantas 
air  daoine.  Chan  'eil  feum  air  boilich  ; 
foghnaidh  an  fhirinn.  Air  a  shon  sin,  theid 
cuid  thar  na  cailce  an  uair  a  thoisicheas  iad 
air  an  coin  a  mholadh.  Chan  'eil  teagamh 
nach  robh  Bran,  cu  na  Feinne,  luath-chasach, 
ach  an  robh  e  cho  luath  agus  gu'n  tilleadh  e 
aig  an  aon  am  feidh  aig  da  bhealach  ? 

B'  aithne  dhomh  taiUear,  duine  tuigseach 
am  bitheantas,  ach  cha  chuala  e  sgeul  riamh 
nach  crunadh  e.  Bha  cu  beag  laghach  aig 
an  taillear,  ach  ann  an  suilean  a  mhaighstir 
cha  robh  a  leth-bhreac  anns  an  diithaich. 

Bha  slighe  nan  carbadan-iaruinn  a'  dol 
seachad  tigh  an  tailleir  aig  astar  coig  ceud 


slat,  agus  thilgeadh  fear-faire  na  "  train  " 
paipear-naidheachd  an  tailleir  anns  an  dol 
seachad.  Thogadh  an  cu  gu  dileas  dleasd- 
anach  paipear  a  mhaighstir  agus  liiibhradh 
e  am  paipeir  gach  maduinn. 

La  de  na  laithean  thill  an  cit  gun  phaipeir- 
naidheachd.  Le  trod  agus  smadadh  chuir 
an  taillear  a  theachdaire  a  rithist  air  son  a' 
phaipeir  ach  ged  a  bheachdaich  agus  a 
shronaich  an  cu  gu  dliith  cha  chuireadh  e 
fiacaiU  air  a'  phaipeir.  Sios  ghabh  an 
taillear  a  rannsachadh  na  ciiise,  agus  ciod  a 
chunnaic  e  ach  gu'm  b'e  paipeir  an  la  de  a 
thilgeadh  ann  am  mearachd  ! 

An  cii  cutach  cam. 

A  nis  chan  e  sgeul  fhirinneach  a  dh'innis 
an  tailleir ;  cha  leughadh  an  cu  cutach 
agamsa,  agus  cha  labhradh  e  Gaidhlig  no 
Beurla,  ach,  cleas  piorraid  an  t-seoladair, 
bha  breithneachadh  ann.  Theagamh  gu'n 
robh  mi  a'  leughadh  Charlyle  aig  an  am. 
Thug  mi  Tom  mar  ainm  air,  agus  bha  an 
t-ainm  na  bu  fhreagarraiche  na  b'aithne 
dhomh. 

Bha  Tom  cutach  agus  air  dath  a'  ghriithain. 
Tha  amharus  agam  gu'n  robh  fuil  chon 
sheilg  ann.  Bha  ceann  leathann  laidir  air. 
Bha  e  math  air  fuadach  agus  air  buachaill- 
eachd  spreidhe,  ach  cha  b'e  fheum  mu 
chrodh-dubh  no  meanbh-chrodh  a  rinn  Tom 
'na  fhior  chompanach  dhomhsa.  Bha  e  air 
leth  mar  chii  sealgair.  An  uair  a  ehitheadh 
e  an  gunna  'n  am  achlais  bha  saod  agus 
sunnd  air  ;  leanadh  e  air  mo  shall  gu  cladach, 
agus  is  iomadh  tunnag  riabhach  agus  lach 
Cholasach  a  thug  sinn  dhachaigh.  Chan 
aithne  dhomh  eun  cho  fuireachail  agus  cho 
amharusach  ri  tunnag  mhara,  agus  cha  b'ann 
gun  seoltachd  a  gheibhinn  ann  an  astar 
urchrach  dhaibh.  Rachadh  na  h-eoin  fo 
thuinn  agus  ruithinn  fhein  agus  Tom  gu 
fasgadh  creige  mu'n  tigeadh  iad  an  uachdar. 
Thachradh  falach-fead  de'n  t-seorsa  so  uair 
no  dha. 

Bhiodh  Tom  air  chrith  ri  m'  thaobh  le 
mi-fhaidhidinn,  ach  mu  dheireadh  thigeadh 
cothrom  air  spreadhadh.  Mu'n  gann  a  bha 
an  urchair  as  a'  ghunna  bha  Tom  air  an 
t-snamh  agus  an  tunnag  'na  ghiall. 

Sedltachd  a'  choin. 

Air  uairean  bhiodh  eagal  orm  gu'n  do 
leon  mi  lach  gun  a  marbhadh.  Is  ann  an 
sin  a  bha  seoltachd  Thorn  ri  fhaicinn. 
Chumadh  e  cho  dliith  ris  an  lach  gu'n 
sgitheachadh  e  i  agus  mu'n  eireadh  i  fada 
o'n  chladach  bha  i  an  greim  agus  Tom  a' 
snamh  gu  laidir  gus  an  leagadh  e  i  ri  m' 
thaobh. 


AN  CU— BEACHDAN  MU'N  CHOGADH 


Ged  bhiodh  e  'na  shineadh  taobh  an  teine 
cha  robh  ach  a  radh,  "  tha  Colla  air  falbh 
leis  a'  ghunna,"  agus  thigeadh  a  bhigeil  gu 
tathunn  gus  am  fosgladh  an  dorus.  A  mach 
bha  Tom,  a  shron  ri  talamh  gus  an  lorgaich- 
eadh  e  an  sealgair. 

Bha  mi  aon  fheasgar  le  Tom  a'  siubhal  a' 
chladaich,  agus  chunnaic  sinn  deile  air  sgeir 
far  nach  fhaighinn  am  fagus  dhi.  Ghabh 
Tom  a'  mhuir,  agus  rainig  e  an  deile,  ach  bha 
i  trom,  agus  ged  a  bha  beul  farsuinn  aig  a' 
chu,    cha   deanadh    e   greim    oirre.  Ach 

dhirich  e  an  sgeir  agus  sheas  e  air  an  deile 
agus  le  turaman  agus  cudthrom  a'  choin 
thuit  i  's  an  t-saUe.  Cha  b'  fhasa  a'  chilis 
do  Thorn.  Bha  an  deile  tiugh  agus  chan 
fhaigheadh  e  fhiaclan  innte.  Shnamh  e  mu'n 
cuairt  oirre  agus  rinn  e  air  a'  chladach,  ach 
mar  gu'm  bristeadh  solus  iir  air  thiU  e  agus 
chaidh  e  air  ctil  na  deile  agus  le  uchd  chuir 
e  roimhe  i  gu  tir. 

An  abhag  chasnnagach. 

Bha  abhag  bheag  mhoUach  agam  aig  an 
aon  am  agus  is  trie  a  thog  i  caonnag  a  dh' 
fheumadh  Tom  a  reiteachadh.  Bha  an  cu 
mor  coir,  agus  bha  an  rathad-mor  saor  do 
gach  cu  air  a  shon-san,  ach  aon  chu  cha 
leigeadh  an  abhag  seachad  gun  ruith  'ga 
ionnsuidh  agus,  mi-mhodhaH  mar  mhaor  a' 


togail  CIS,  cha  leigeadh  e  an  coigreach 
seachad  gun  iorghuill.  Ged  a  thogadh  e 
caonnag  is  e  Tom  a  leagadh  i.  Cho  luath 
agus  a  rachadh  Tom  ann  an  greim  theicheadh 
an  t-eucoireach  beag  dhachaigh  cho  luath 
agus  a  bheireadh  a  chasan  gearr  e.  Bha  Tom 
reidh  cairdeil  ri  sheorsa,  ach  an  uair  a 
rachadh  e  ann  an  greim,  ghiiilaineadh  e  e  fein 
gu  gaisgeil.  Is  trie  a  bhuail  e  'n  am  inntinn 
gu'n  robh  Tom  de'n  bheachd  gu'n  robh  e  fo 
chomain  do'n  chii  bheag. 

Bhithinn  'g  an  toirt  le  cheile  an  deidh 
bheiste-dubha  a  bha  gabhaH  fasgaidh  am 
measg  chlachan  mora  ri  muir-traigh.  Bha 
Tom  ro-mhor  a  ruigheachd  faiche  na  beiste- 
duibhe,  ach  mar  cheannard-airm  a'  cur  cath 
ann  an  ordugh,  chuireadh  e  an  abhag  ann, 
an  toU  cumhann,  agus  sheasadh  e  fein  gu 
furachaU  mu  choinneamh  an  tuill.  Dheanadh 
an  abhag  agus  a'  bheist  caonnag,  agus  ged 
bhitheadh  cluasan  a'  choin  bhig  'na  stroicean 
cha  gheDleadh  e  gus  an  teicheadh  an  dobhran. 
Bha  Tom  air  thoiseach  air  a'  bheist,  agus  le 
aon  ghlamhadh  bhristeadh  e  caol-droma  an 
iasgair.     Bha  bas  obann  aig  a'  bheist. 

Na'm  biodh  Paras  chon  ann,  cha  b'e 
saoghal  gun  mhuir,  mar  a  mhiannaich  Eoin, 
a  dh'  iarradh  Tom  ach  eilean  beag  anns  an 
aird  an  iar  le  cladach  corrach  sgeireach  far 
an  tadhladh  an  lach  agus  an  tachradh  beist- 
dubh  air  ri  isle  mara. 


Beachdan  mu'n  Chogadh 

Leis  an    Urramach   Alasdair  MacFhionghuin,  Ph.D.,  an  Cill-mo-naomhaig. 


"  BRISIDH  sinn  an  cridhe  air  a  chcann  mu 
dheireadh."  Sin  mar  a  labhair  Winston 
ChurchiU  a  thaobh  nan  Gearmailteach  beagan 
sheachduinnean  air  ais  ;  agus  is  e  a  tha  ann 
an  ChurchiU  duine  aig  am  bheil  eolas  agus 
tuigse,  creideamh  agus  misneach,  a  tha  a' 
toirt  soluis  agus  togaU  do'n  dvithaich  uile, 
cho  trie  is  a  labhras  e  ruinn. 

Chuir  a  bhriathran  ann  am  chuimhne 
faidheadaireachd  a  rinn  duine  iomraiteach 
eile  aig  am  a  Chogaidh  Mhou-  (1914-1918)  ; 
fear  a  tha  'g  ar  neartachadh  gu  h-eifeachdach 
an  drasda  cuideachd — an  Seanalair  Iain 
Smuts,  Ard  Mhinistear  Africa  mu  Dheas. 
Aig  am  de'n  chogadh  anns  an  robh  ctiisean 
gu  maith  dorcha,  agus  moran  dhaoine  de'n 
bharail  nach  robh  e  'n  ar  comas  an  gnothuch 
a  dheanamh  air  an  namhaid,  dh'eirich  Iain 
Smuts  ann  am  fianuis  comhdhail  mhor 
sluaigh  ann  an  Lunnain,  ma's  maith  mo 
chuimhne,  agus  Kubhair  e  dhaibh  teach- 
daireachd  a  thug  comhfhurtachd  dhaibh. 
Ann  an  ciirsa  na  h-6raid,  labhair  e  am  facal 
so  : — "  Tha    sluagh     Bhreatuinn    an    diugh 


trom-inntinneach,  iomaguineaeh  ;  ach  biodh 
deagh  mhisneach  aca  ;  oir  coltach  ris  na 
h-uile  chiontaich  mhora,  thig  na  Gearmailtich 
mar  oirleach  do  bhuidheann,  agus  caillidh 
iad  gu  buileach." 

Misneach  lairdir. 

Bha  eifeachd  iongantach  dhomh  fhein  co 
dhiubh  anns  na  briathran  ud  ;  bhuail  iad 
orm  mar  a  ni  an  Sgriobtur.  Chan  'eil 
teagamh  idir  agam  nach  ann  as  an  Sgriobtur 
a  dh'  eirich  iad  gu  bilean  an  fhir-labhairt, 
oir  tha  na  Diiitsich  eolach  anns  a'  Bhiobull. 
Thugaibh  fan  ear  gu'm  b'  ann  a  chionn  gu'm 
bu  chiontaich  mhora  na  Gearmailtich  a  bha 
Iain  Smuts  dearbhta  gu'n  cailleadh  iad. 
Bha  an  cionta  cho  soilletr  do'n  t-saoghal  aig 
an  am  ud  is  a  tha  e  an  diugh  ;  oir  nach  do 
bhris  iad  am  facal  do'n  t-saoghal,  an 
cumhnant  soluimte  a  bha  eadar  iad  fein  agus 
an  Fhraing,  agus  Breatunn,  a'  boideachadh 
nach  cuireadh  aon  seach  aon  dhiubh  dragh 
gu  brath  tuilleadh  aii-  duthaich  Bhelgium 
air  son  aobharan  cogaidh.    Mar  nach  cluinn- 


BEACHDAN  MU'N  CHOGADH 


eadh  iad  facal  rianih  mu'n  ghealladh  ud, 
bhris  an  armailtean  mar  thuil  a  stigh  do'n 
duthaich  ud,  a  bha  uile  gu  leir  neo-chiontach  ; 
agus  rinn  iad  sgrios  air  a  bailtean.  Cha  bu 
mhotha  leo-san  an  Ciimhnant  na  seann 
sgeulachd.  Bha  e  gasda,  fhad  is  a  mhealladh 
e  each  ;  a'ch  gu'n  seasadh  e  a  chur  stad  air 
an  armailtean,  no  gu'n  seasadh  sluagh  beag, 
suarach  'n  an  rathad-san  an  an  shghe  gu 
Buaidh.  Cha  robh  an  sin  ach  aobhar  fanoid 
dhaibh.  Ciod  air  bith  an  seorsa  creidimh  a  bha 
aca,  cha  b'  ann  anns  an  Dia  bheo  a  bha  iad  ag 
earbsa,  d'  an  gne  Fireantachd,  leis  am 
fuathach  aingidheachd,  agus  a  ni  dioghaltas 
air  son  droch-bheirt,  ach  ann  an  dia  fallsa,  a 
cheadaicheadh  a'  bhreug,  euceart,  agus 
bruidealachd  do  shluagh  taghta,  cumhachd- 
ach  mar  bha  iadsan.  Ach  bha  Iain  Smuts 
de  atharrachadh  beachd,  coltach  ris  na 
h-uile  a  their  :  "  Dean  an  t-olc  agus  fan  ri 
dheireadh." 

Ughdar  an  Lagha. 

Chan  'eil  fhios  agam-sa  ciod  is  fior  chreud 
do'n    duine    ionnsaichte    ud.  Leugh    mi 

oraidean  a  Hubhair  e  bhadhnachan  air  ais 
ann  an  CoUaist  Sasunnach  ;  agus  chan 
abrainn  gu'n  d'thainig  e  faisg  annta  air  doigh 
breithneachaidh  Chriosduidhean  a  thaobh 
Dhe.  Ach  co  dhiubh,  tha  e  soilleir,  ma 
labhras  duine  mar  a  rinn  esan,  mu  "  chion- 
taich  mhora,"  gu  bheil  e  a'  creidsinn  ann  an 
Lagh  moralta  a  tha  ann  an  gne  na  Cruith- 
eachd,  air  an  d'  rinn  na  Gearmailtich  tair, 
agus  nach  ceadaicheadh  dhaibh  buidheann, 
ach  a  bhriseadh  iad  mu  dheireadh. 

Ach  ma  tha  a  leithid  sin  de  lagh  ann,  nach 
feum  mar  an  ceudna  gu  bheil  Neach  air  a 
chill  is  iighdar  dha  ?  Chan  'eil  ann  ach 
mealladh  a  bhi  a'  creidsinn  ann  an  Lagh 
fireantachd  mur  'eil  sinn  aig  a'  cheart  am  a' 
creidsinn  anns  an  Dia  bheo.  Chan  'eU  lagh 
air  bith  ag  eirigh,  mar  cheo,  as  an  talamh, 
no  as  a'  chuan  ;  is  ann  daonnan  a  inntinn  a 
thig  e.  Ma  tha  lagh  fireantachd  ann,  a  tha 
searbh  an  aghaidh  bhreugairean,  luchd-foiU, 
euceartaich,  agus  spuinneadairean,  is  cinn- 
teach  nach  ann  as  inntinn  mhic  an  duine 
"  a  dh'olas  euceart  mar  uisge  "  a  fhuaras  e, 
ach  gu  bheil  e  a'  ruigheachd  oirnn  uile  a 
chionn  gu'm  buin  sinn  do'n  Dia  bheo,  d'  an 
gne  Fireantachd,  agus  d'am  bheil  a' 
Chruitheachd  uile,  agus  beatha  dhaoine  agus 
rioghachdan  fo  ordugh.  Mar  sin,  ged  tha 
esan  foidhidneach,  a'  ceadachadh  do  dhaoine 
drochbheart  a  ghniomhachadh,  agus  dulain 
a  thoirt  dha-san,  fhathast  ann  a  bhi  a' 
cogadh  an  aghaidh  lagha  agus  riiin  Dhe  is 
fheudar  dhaibh  call  agus  smachdachadh 
fhulang  ;    oir  cha  deanar  fanoid  air  Dia. 


Cul  ris  an  t-solus. 

Is  gnothuch  uamhasach  do  rioghachdan  a 
chaidh  a  shoillseachadh  le  eolas  Dhe,  mar  a 
thachair  do'n  GhearmaUt,  cul  a  chur  ris  an 
t-solus,  agus  an  dorchadas  a  roghainneachadh 
a  rithist.  Gus  na  bliadhnachan  deireannach 
so,  bha  sinn  toileach  a  bhi  a'  creidsinn  gu 
bheil  ni-eigin  de  uaisle,  de  phrionnspal 
ceartais,  agus  de  ghras  a  shiiigh  thuca  as  na 
Sgriobturan  ann  an  luchd-riaghlaidh  riogh- 
achdan mora  agus  beaga  na  Roinn  Eorpa, 
nach  ceadaicheadh  do  uachdranachd  air 
bith  innte,  buntuinn  gu  h-euceartach,  searbh 
ri  rioghachd  eile,  gu  sonruichte  ri  coimh- 
earsnach  lag.  Nach  sinne  a  bha  air  ar 
mealladh ! 

Chan  urrainn  briathran  ach  faileas  fann  a 
nochdadh  de'n  diol  a  tha  a'  Ghearmailt  a' 
deanamh  aig  an  dearbh  am  so  air  sluagh 
briste  Pholand ;  a'  riisgadh  dhiubh  an 
codach,  a'  glacadh  an  airgid,  'g  an  cur  a 
machasandachaidheanagus  as  an  croitean,los 
an  cinneadh  fein  a  shuidheachadh  'n  an  aite. 

Tha  miltean  de  na  daoine  truagha  air  an 
sgiurrsadh  air  faondradh  feadh  nan  coilltean, 
moran  dhiubh  a'  basachadh  le  acras  is  fuachd 
am  feadh  is  a  tha  an  tighean  is  am  beo- 
shlaint  aig  an  naimhdean.  Feadhainn  a  bha 
gu  doigheil  'n  an  tuathanaich,  gheibhear  iad 
a  nis  'n  an  sgalagan  d'  am  maighstirean  iira  ; 
agus  tha  an  oigridh  air  an  cur  ris  gach. 
saothair  is  truime  agus  is  sailche  na  cheile, 
air  son  an  eigeannais  as  truaighe  de  bheath- 
achadh.  Ma  dhiultas  iad,  tha  an  gunna  ri 
'm  bathais.  Cha  d'  rinneadh  a  leithid  eile 
de  fheannadh  is  de  shaltairt  air  sluagh  o 
chionn  mhoran  linntean.  Tha  na  Gearmail- 
tich an  diugh  a'  leantuinn  comhairle  na 
beiste  a  theagaisg  nach  coir  fhagail  aig 
sluagh  ceannsaichte  ach  an  siiilean  air  son 
caoinidh. 

Breitheanas  an  De  bheo. 

Tha  an  dol  a  mach  cho  fiadhaich  is  gu 
bheil  am  Pap  fein  a'  glacadh  misnich  agus 
ag  eigheach  an  aghaidh  foirneirt  a  chaidh 
thar  tomhais.  Is  ann  a  tha  iad  a'  gluasad 
mar  dhaoine  a  tha  leagta  ri  diilain  a  thoirt 
do  gach  prionnspal  cothromach,  agus  do  gach 
cleachdadh  cneasda  a  tha  air  an  teagasg  ann 
am  facal  Dhe,  agus  a  tha  air  an  aideachadh 
ann  an  coguis  agus  gnaths  dhaoine  maithe 
feadh  an  t-saoghaU  fharsuing.  Gu'n  deanadh 
Jia  Gearmailtich  a  leithid  so  a  dh'  eucoir  air 
na  Polaich  ;  gu'n  deanadh  na  Russianaich 
a  leithid  de  dh'  ainneart  air  na  Finnich,  gu'n 
deanadh  iad  le  cheUe  fochaid  fhollaiseach 
air  Criosd,  a'  roghnachadh  an  fhir-reubain, 
Barrabas  'n  a  aite — 's  e  sin  leamsa  co  dhiubh, 
fior  uamhas  a'  ghnothuich. 


BEACHDAN  MU'N  CHOGADH— AIG  AN  UINNEIG 


Mur  d'  atharraich  Dia  a  dhoighean  'na 
Fhreasdal,  mur  d'  thug  e  a  suas  aobhar  a 
rioghachd  am  measg  rioghachdan  an  domh- 
ain,  mur  d'  fhag  e  riaghladh  an  t-saoghail 
aig  na  creachadairean  as  treise  armachd, 
agus  as  cruaidhe  cridhe,  chan  ann  aca-san  a 
bhitheas  am  facal  mu  dheireadh.     Cho  mor, 


laidir  is  'g  am  bheil  iad,  chan  fhaod  iad  dol 
as  o  bhreitheanas  an  De  bheo  na's  mo  na 
chaidh  duthchanna  mora  foirneartach  an 
t-seann  t-saoghail  as.  Cha  do  chaomhain 
breitheanas  Dhe  eadhon  a  shluagh  taghta, 
air  dhaibh  an  dorchadas  a  ghradhachadh 
na's  mo  na'n  solus. 


Aig  an  Uinneig 


Fanaidh  an  talamh  gu  brath. 

BHA  e  air  a  theagasg  dhomh  'n  am  oige 
meas  a  bhi  agam  air  eolas  is  sgoUearachd, 
agus  urram  a  thoirt  do  sgoUearan,  agus  ma's 
aithne  dhomh  mo  chridhe  fein  cha  do  thuit 
mi  riamh  air  falbh  o'n  teagasg  sin  a  fhuair 
mi  'n  am  bhalach.  Ach  ged  nach  robh  e 
duilich  dhomh  aig  am  air  bith  de  m'  bheatha 
suidhe  gu  h-iriosal  aig  casan  Rabbaidhean 
an  Fhoghluim,  mar  is  sine  a  tha  mi  a'  fas, 
is  ann  as  mo  a  tha  teagamh  a'  tolladh  a 
steach  do  m'inntinn  nach  'eil  na  sgoilearan- 
mora  a  bheag  air  thoiseach  oirnn  fein  a 
thaobh  tuigsinn  crioch  araidh  a'  chruth- 
achaidh,  agus  an  daimh  a  tha  aig  na  nithean 
a  tha  follaiseach,  ri  Dia  no  ri  cheile. 

Re  mo  bheatha  ghoirid  leugh  mi  iomadh 
leabhar  m'  an  robh  e  air  a  radh  gu'n 
atharraicheadh  e  beachdan  dhaoine  gu 
buileach,  agus  gu'n  cuireadh  e  smuaintean  a' 
chinne-daonna  ann  an  claisean  ura  ;  ach  an 
uair  a  sheallas  mi  air  m'  ais,  tha  an  saoghal 
a'  dol  air  aghaidh  mar  bha  e  riamh,  agus  mar 
nach  biodh  gin  de  na  leabhraichean  ud  air 
an  sgriobhadh  idir,  na  leabhraichean  a  bha 
dol  a  dheanamh  revolution,  no  a'  dol  a 
thilgeadh  saoghal  na  h-inntinn  bun  os  cionn. 
Tha  mi  an  dull  gu  robh  an  duine  geur  a 
sgriobh  leabhar  Ecclesiastes  air  a  sgitheachadh 
le  leabh  aichean  (no  le  daoine)  de'n  t-seorsa 
so  'nuair  a  thubhairt  e  '  Tha  aon  ghinealach 
a'  siubhal,  agus  ginealach  eile  a'  teachd  ; 
ach  fanaidh  an  talamh  gu  brath  1  Mar  gu'n 
abradh  e  nach  robh  anns  an  ni  ur  ach  an  seann 
ni  air  teachd  air  ais  ;  a  h-uile  gineal  a'  stri 
gu  laidir  agus  a'  tighinn  bed  ann  an  dochas 
gu'n  do  shuidhich  i  an  saoghal  air  bunaitean 
ura,  ach  fad  na  h-uine  an  talamh  a'  fantuinn 
gu  brath  mar  bha  e. 

An  ni  a  bha  ann,  is' e  an  ni  sin  fein  a 
bhitheas  ann ;  agus  an  ni  sin  a 
rinneadh,  is  e  an  n\  sin  fein  a  nithear; 
agus  chan  'eil  n\  sam  bith  nuadhfo'n 
ghrein.  A  bheil  ni  ann  mu  'mfeudar 
a  radh,  Feuch,  tha  so  nuadh  ?  Bha 
e  ann  cheana  's  an  t-sean  aimsir  a 
bha  ann  romhainn. 
Saoilidh  na  sgoilearan-mora  agus  na 
speuradairean  a  bhios  a'  sgriobhadh  mu'n 


ghrein  agus  mu'n  ghealaich  agus  mu'n  talamh 
nach  rachadh  an  saoghal  air  aghaidh  gu  ceart 
mur  tugamaid  geill  do  na  tha  iadsan  ag 
radh,  ach  theid  am  beachdan-san  as  an 
fhasan,  agus  ri  uine  theid  iad  air  dichuimhne, 
ach  mairidh  a'  ghrian,  agus  a'  ghealach,  agus 
an  talamh  fein,  gu  brath,  a'  cur  mhic  an 
duine  gu  smuaineachadh ! 

Air  moran  leabhraichean  a  dheanamh 
chan  'eil  crioch,  agus  tha  moran  leughaidh 
'na  sgios  do'n  fheoil,  ach  an  duine  air  a 
bheil  eagal  Dhe,  agus  a  choimheadas 
aitheantan,  is  coma  dha  co  dhiu  a  tha  e  a' 
leantuinn  Mhaois  no  a'  leantuinn  Einstein 
'n  a  bheachdan. 

Achan  Duthcha. 

Bha  an  t-achan  so  air  a  sgriobhadh  air 
son  nan  duilleagan  so  an  1914,  aig  toiseach 
a'  chogaidh,  leis  an  Ollamh  Coinneach 
Mac  Leoid,  ministear  Ghiogha,  is  tha  mi  'g 
a  toirt  am  follais  an  drasd,  a  chionn  gu " 
bheil  an  iirnuigh  cho  freagarrach  agus 
feumail  an  diugh  's  a  bha  i  an  de. 

A  Righ  nan  Dul 
A  b'  iul  d'  ar  daoin'  o  chian, 

Ri  m'  iarrtus  eisd  ; 
Thar  tir  mo  ghaoil  0  sgaoil  do  sgiath 

Is  dion  i  Dhe, 

Is  dion  i  Dhe. 

Ta  iad  air  chein 
'G  an  iobradh  fein  's  a  bhlar, 

Na  h-armuinn  6g — • 
An  gair  nan  cath  O  dion  o'n  tuil 

Ar  fuil  's  ar  feoil. 

At  fuil  's  ar  feoil. 

Ri  uchd  gach  oillt 
O'n  oidhche  gus  an  la, 
Bi  ghnath  'n  an  cc  ann  ; 
Gach  iosal  dhaibh,  ma's  buaidh  no  bas, 
Mar  aird  'n  am  beann. 
Mar  aird  'n  am  beann. 

A  Righ  nan  gras 
Ma's  cupan  Ian  de  leon 

Do  dheoin  d'ar  taobh  ; 
Mur  till  gu  brath  ar  fuil  's  ar  feoil 

Gu  cors'  an  gaoil, 

Gu  cors'  an  gaoil. 

Gu'n  seinn  sinn  salm 
Mu'm  falbh  sinn  air  an  sail 

Thar  fair  o'n  ghleann 
Do'n  Ti  a  dheonuich  dhaibh  am  bas 

An  aird  nam  beann. 

An  aird  nam  beann. 


AIG    AN    UINNEIG 


Am  baillidh  agus  am  ministear. 

Ann  an  aite  nach  ruigear  a  leas  ain- 
meachadh  bha  baillidh  a  bha  'na  dhuine 
fiadhaich,  gun  eagal  Dhe  no  dhaoine  air. 
Cha  robh  eagal  Dhe  air  oir  cha  robh  e  a' 
creidsinn  gu  robh  Dia  ann.  Bhitheadh  e  a' 
niagadh  air  daoine  a  bhiodh  a'  dol  do'n 
eaglais,  agus  an  iiair  annamh  a  rachadh  e  gu 
tiodhlacadh  sheasadh  e  a  mach  o  dhaoine 
eile  los  gu'ni  faiceadh  an  sluagh  nach  robh 
e  a'  creidsinn  ann  an  iirnuigh  no  ann  an 
aiseirigh. 

Uair  a  lionnaich  amhach  a'  bhaiUidh  gu 
dona,  agus  a  dh'at  a'  chioch-shlugain  aige 
oho  mor  's  nach  robh  deo  analach  aige, 
chaidh  ministear  na  sgire  'g  a  fhaicinn. 
Leis  an  deo  bheag  analach  a  bha  aige  thuirt 
e  ris  a'  mhinistear  nach  robh  urnuigh  no  dad 
de'n  t-seorsa  sin  a  dhith  air,  ach  gu'm  biodh 
e  'na  chomain  na'n  rachadh  e  gu  dorus  an 
dotair  anns  an  dol  seachad,  agus  na'n 
abradh  e  ris  gu  robh  esan  air  son  fhaicinn. 
"  Shaoilinn-sa,"  ars'  am  ministear,  "  nach 
'eil  aobhar  agad  dragh  a  chur  air  an  dotair, 
agus  gu'n  deanadh  an  Vet  an  gnothuch!" 
An  uair  a  chual  am  baiUidh  sud  leum  e  as  an 
leabaidh  le  leithid  a  dh'ardan  's  gu'n  do 
bhris  am  meall-lionnachaidh  a  bha  'na 
amhaich  ;  b'e  sin  toiseach  fheadhais,  is  cha 
robh  feum  aige  air  dotair  no  air  Vet. 

Car  son  nach  toigh  le  daoine  nach  'eil  a' 
creidsinn  ann  an  Dia  gu'm  biodh  iad,  an 
deidh  am  bais,  air  an  tilgeadh  ann  an  toll 
mar  nach  robh  annta  ach  beathach  ?  Tha 
mise  an  duil  gur  e  an  t-aobhar  nach  'eil  iad 
ach  a'  cur  mar  fhiachaibh  orra  fein  nach  'eil 
iad  a'  creidsinn  ann  an  Dia.  Na'm  bu 
bheathach  a  mhain  a  tha  ann  an  duine 
bhiodh  e  ceart  coma  ged  thilgteadh  ann  an 
toll  e,  ach  tha  ni-eigin  'n  a  chridhe,  a 
thuUleadh  air  doighean  agus  fasain  an 
t-saoghail,  a  tha  ag  innseadh  dha  gu  bheil 
Dia  ann.  Cha  d'  fhag  Dia  neach  riamh  gun 
fhianuis  air  chor-eigin  air  fein  'n  a  chridhe. 

An  Raidheachan  Soisgeulach. 

Mar  is  abhaist  tha  bainne  agus  mil  anns  an 
Raidheachan  so,  agus  tha  cuid  de'n  aireamh 
mu  dheireadh  air  a  sgriobhadh  cho  soilleir 
's  gu'n  gabhadh  e  cur  ann  an  Gaidhlig  gu 
reidh,  gu  sonruichte  na  sgriobh  an  t-OUamh 
R.  I.  Drummond  mu  "  Ghxith  Dhe."  Sin 
an  seorsa  seanchais  a  b'  fhiach  do  mhinis- 
tearan  oga  Gaidhealach  anns  a  h-uile  eaglais 
feuchainn  ri  chur  an  Gaidblig,  chan  ann  a 
mhain  air  ghaol  inntinnean  an  t-sluaigh  a 
bheathachadh,  ach  air  ghaol  ealain  ionn- 
sachadh  leis  an  rachadh  aca  air  a'  cheart 
theagasg   a   bhios   iad   a'  toirt  dhaibh  ann 


am  Beurla  a  thoirt  dhaibh  ann  an  Gaidhlig. 
Chan  'eil  e  'n  comas  duine  air  bith  asbhuain 
na  meanbh-sgoilearachd  a  chur  an  Gaidhlig, 
is  theagamh  gur  maith  nach  'eil,  ach  a  mach 
bhuaith  sin,  tha  sinn  uile  a'  seachnadh 
moran  chuspairean  'n  ar  teagasg  follaiseach 
a  chionn  gu'm  biodh  e  duilich  dhuinn  labh- 
airt  orra  an  Gaidhlig  gun  dragh  a  ghabhail. 

Gheibhear  anns  an  aireamh  so  o  sgoilearan 
an  Albainn,  an  Lunnainn,  an  America,  agus 
an  New  Zealand,  iomadh  rud  as  fhiach  a 
leughadh,  seanchas  is  beachdan  cothromach 
mu  "  Mhiorbhuilean  agus  laghanna  a'  Chruth- 
achaidh,"  "  Esra  agus  Nehemiah,"  "  Am 
faidh  Amos,"  "  Dara  teachd  an  Tighearn," 
agus  mar  sin  eile,  agus  tha  iomradh  coibhneil 
air  a  dheanamh  ann  leis  an  Fhear-dheasach- 
aidh  fhein  air  an  leabhar  a  bha  air  a  chur 
a  mach  o  chionn  ghoirid  leis  an  OUamh 
Iain  Baillie,  "  Ar  n-E61as  air  Dia."  Anns 
an  iomradh  so  tha  firinn  agus  coibhneas  a' 
pogadJi  beul  ri  beul,  an  fhirinn  air  sgath  an 
leabhair  fhein,  agus  an  coibhneas  air  sgath 
athair  an  fhir  a  sgriobh  e. 

Deadhan  Lios-mor. 

Chan  urrainnear  a  radh  gu'n  do  rinn  an 
Comunn  ur  a  tha  a'  cur  a  mach  sgriobhaidh- 
ean  Gaidhlig  dearmad  air  Deadhan  Lios- 
mor,  no  air  a'  bhardachd  a  chruinnich  e,  oir 
b'  ann  as  an  t-sean  thigh -tasgaidh  sin  a  bha- 
a'  cheud  leabhar  a  chuir  an  Comunn  a  mach 
air  a  tharruing,  agus  is  ann  as  a  thugadh  an 
treas  leabhar  cuideachd,  a  thainig  a  mach  o 
chionn  ghoirid,  agus  a  bha  air  a  dheasachadh 
leis  an  Ollamh  Niall  Ros,  an  Lagan  Bhaid- 
eanach. 

Tha  naoi  dain  fhichead  anns  an  leabhar  ; 
tha  a'  Ghaidhlig  agus  a'  Bheurla  mu  choinn- 
eamh  a  cheile  air  na  duilleagan,  air  chor 
agus  gu'm  faod  neach  air  bith  fhaicinn  ciod 
is  fhiach  a'  bhardachd  so  innte  fein,  agus 
gu'm  faod  luchd  na  Gaidhlig  fhaicinn  ciod 
an  t-atharrachadh  a  thainig  air  ar  canain  o 
chionn  ceithir  cheud  bliadhna.  Bha  a' 
bhardachd  Ghaidhlig  so  air  a  cruinneachadh 
am  meadhon  Albann,  agus  air  a  litreachadh 
leis  a'  chluais,  air  chor  agus  gu  bheil  e 
duilich  a  bhi  cinnteach  air  uairean  gu  bheil 
a  h-uile  facal  ceart. 

Bha  an  obair  so  anns  a'  bheairt  aig  an 
Ollamh  Ros  o  chionn  uine  mhaith,  is  ghabh 
e  dragh  mor  ris,  ach  b'  fhiach  dha  a  shaothair, 
oir  tha  an  leabhar  a  nis  air  a  chur  a  mach 
ann  an  doigh  a  thoilicheas  an  t-suil  agus  an 
inntinn. 

Tha  e  air  a  chur  a  mach  o'n  chlodh  le 
Oliver  &  Boyd,  an  Dun-eideann,  agus  is  e 
sia  tasdain  deug  a  phris. 

M^CpR£^ODALE 


Aireamh  5 


1940 


An  t-OUamh  DdmhnuU  D6mhnullach, 
Uidhist-a-Tuath 


AIR  Di-domhnaicli  Casg  chriochnaich  an 
duine  gaolach  so  a  thurus  air  thalamh  is 
chaidh  e  steach  do'n  t-Solus. 

Bha  uaisle  agus  irioslaclid  ann  am  Maighstir 
Domhnull  gu  nadurra,  ach  bha  a  bhuadhan 
nadurra  air  an  deanamh  na  bu  mhaisiche  le 
companas  na  diadhaidheachd. 

Rugadh  e  an  1855  :  bha  e  air  oileanachadh 
an  OUthigh  Ghlaschu  ;  air  a  chur  air  leth  gu 
dreuchd  na  ministrealachd  le  Cleir  MhuUe  an 
1885  :  'n  a  fhear-cuideachaidh  an  Tiriodh  suas 
ri  da  bhhadhna,  agus  air  a  shuidheachadh 
ann  an  1887  an  Uidhist-a-Tuath,  far  an  do 
chuir  e  seachad  a  bheatha  uile  am  measg  a 
dltaoine  fein. 

Coltach  ri  Mordecai  bha  e  mor  am  measg 
nan  Uidhisteach,  taitneach  do  mhor  chuid- 
eachd  a  bhraithrean,  ag  iarraidh  maith  d'a 
shluagh,  agus  a'  labhairt  sith  ri  shliochd 
uile. 

Cha  robh  dh'eolas  agam-sa  air  ach  gu'n 
do  thachair  sinn  air  a  cheile  aig  an  t-Seanadh 
an  Dim-eideann  uair  no  dha  'n  a  sheann  aois, 
agus  gu'n  robh  mi  anns  an  sgoU  Shabaid 
aige  an  uair  a  bha  e  'n  a  fhear-cuideachaidh 
an  Tiriodh.  Ach  bha  duUichinn  orm  riamh 
nach  ann  an  Tiriodh  a  bha  e  air  a  shuidh- 
eachadh seach  an  Uidhist.  Ach  cha  robh 
sinne  cho  fortanach  ri  muinntir  Uidhist,  no 
theagamh  cho  toillteanach  air  tiodhlacan  an 
fhreasdaU. 

Bha  dithis  de  na  tha  a'  sgriobhadh  uime 
air  an  duilleig  so  air  an  togail  anns  a' 
choimhthional  aige,  is  bha  Coinneach  Mac- 
Leoid  ag  obair  comhla  ris,  air  chor  agus  gu'm 
b'  aithne  dhaibh  uUe  gu  maith  an  seorsa 
duine  a  bha  ann  am  Maighstir  Domhnull. 


Leis  an   Ollamh   Coinneach   MacLedid,    an 
Giogha. 

O  chionn  beagan  linntean  bha  gille  6g  an 
Uidhist  a  Tuath  ris  an  abradh  na  coimhear- 
snaich  Calum  na  Gealaich.  Bha  a  mhathair 
'n  a  bantraich  agus  a  chuid  eile  de'n  teaghlach 
gle  6g,  agus  is  ann  air  Calum  a  bha  uaUach 
an  tighe.  0  mhoch  gu  dubh  bhiodh  e 
buachailleachd  crodh  a'  bhaile,  agus  an  uair 


a  bhiodh  a'  ghealach  ann,  dh'  obraicheadh  e 
gu  meadhon  oidhche  air  fearann  a  mhathar. 
Is  e  sin  a  b'  aobhar  gu'n  d'  f huair  e  an  t-ainm, 
Calum  na  Gealaich.  Dh'  fhag  e  dileab 
eireachdail  aig  a  shliochd. 

Tha  an  sliochd  sin  an  da  chuid  lionmhor 
agus  ionaraiteach  anns  an  Eaglais.  B' 
aithne  dhomh  fhein  seachd  deug  dhiubh, 
agus  ma's  maith  mo  bheachd,  bha  no  tha 
uiread  eUe  dhiubh  ann.  Bha  iad  uile  'n  an 
deagh  mhinistearan,  uasal  'n  an  doigh  agus 
durachdach  'n  an  dreuchd,  agus  bha  cuid 
dhiubh  a  choisimi  cliu  ann  am  bardachd 
agus  an  eachdraidheachd. 

'N  am  measg  air  fad  cha  robh  fear  eile  a 
bheireadh  barr  air  Maighstir  Domhnull,  mar 
theireamaid  ris  mu'n  do  rinn  OUthigh 
Ghlaschu  OUamh  dheth.  Ged  nach  d'fhag 
e  leabhar  no  sgriobhadh  sam  bith  as  a 
dheidh,is  f  heudar  gu'n  robh  meudachd  annsan 
a  fhuair  a  leithid  de  ghreim  air  an  sgireachd 
anns  an  do  rugadh  e,  agus  anns  an  robh  gach 
darnacha  teaghlach  cairdeach  dha  fhein. 
Ach  bha  na  h-Uidhistich  riamh  'n  an  daoine 
leirsinneach,  agus  cha  robh  fear  no  te  'n  am 
measg  nach  aidicheadh,  ma's  e  fear  diubh 
fhein  a  bha  so,  gu'n  robh  e  o'n  chridhe  gus  a 
cheann  na  b'  kirde  na  iad  fhein.  Thoisich 
iad  le  dlighe  ministeir  a  thoirt  da  :  chrioch- 
naich iad  le  h-uile  dhghe  a  bha  ann  a  thoirt 
da.  Bhiodh  e  an  diugh  'n  a  bhreitheamh, 
am  maireach  'n  a  chomhairliche,  an  earar 
'n  a  ionmhasair,  agus  'na  phears-eaglais  fad 
na  h-iiine.  Cha  b'  ann  le  smachd  na  cleire  a 
thug  e  mach  dha  fhein  gaol  agus  earbsa  an 
t-sluaigh,  ach  leis  a'  chridhe  bhlath,  leis  an 
laimh  fhosgailte,  agus  leis  an  toinisg  sin  anns 
a  bheil  faite  gaire. 

Bha  mi  fhein  comhla  ris  an  latha  sin  a 
thainig  fear  g'a  ionnsaigh  an  imcheist  mhoir, 
a  chionn  gu'n  tug  e  bold  ni  sonraichte  a 
dheanamh  nach  biodh  idir  chum  maith  na 
h-Eaglaise.  "  Seadh,  a  ghraidhein,"  arsa. 
Maighstir  Domhnull,  "  an  cuala  tu  riamh  an 
seanfhacal,  '  Boid  nach  coir  a  thabhairt  cha 
choir  a  chumail.'  "  "  Ach  a  bheU  sin  ceart, 
a  mhinisteir  ?  Nach  fiachan  air  duine  rud  a 
gheallas  e  ?  "    "  Saoil,  a  ghraidhein,  an  robh 


AN  T-OLLAMH  DOMHNULL  DOMHNULLACH,  UIDHIST-A-TUATH 


Herod  ceart  an  uair  a  thug  e  an  ceann  de 
Eoin  Baiste,  los  a  ghealladh  a  chumail  ?  " 
"  Cha  robh,  a  mhinisteir,  cha  robh  idir  idir — 
agus,  le'r  cead,  bidh  mi  nis  a'  falbh,  agus  m' 
eallach  dhiom." 

Ged  a  bha  Maighstir  Domhnull  an  da 
chuid  dichioUach  agus  cothromach  anns  gach 
dleasdanas  a  bhuineadh  do'n  sgireachd,  cha 
robh  e  idir  aig  fheabhas  gus  an  seasadh  e 
anns  a'  chrannaig.  Cha  chuala  mi  sear- 
monaiche  riamh  a  b'fhe^rr  leam  eisdeachd 
ris  o  thoiseach  gu  deireadh  na  bHadhna. 
Bha  tabhachd  'n  a  theagasg  agus  loinn  air 
a  chainnt.  Gun  teagamh  cha  robh  e  deas- 
bhriathrach,  ged  a  bha  sin  'n  a  chomas 
cuideachd,  'n  am  b'e  thoil  e.  B'  fhearr  leis 
gu  mor  a  bhi  labhairt  ri  coimhthional  mar 
gu'm  biodh  e  a'  reusonachadh  ri  caraid  taobh 
an  teine.  Bheireadh  e  mach  ceann-teagaisg, 
chuireadh  e  a  chorrag  air  a'  phriomh- 
smaointinn  anns  a'  cheann-teagaisg  sin,  agus 
leanadh  e  an  smaointinn  so  tre  luban  agus 
tre  chama-luban  gun  a  lorg  a  chall,  gus  an 
cairicheadh  e  i  gu  seimh  socair  arm  an 
eanchainn  agus  an  cridhe  an  luchd-eisdeachd. 
Cha  bu  dana  dhomh  a  radh  nach  robh  moran 
eaglaisean  an  Albainn  anns  an  cluinnteadh 
teagasg  cho  fallan  no  cho  farsuing  is  a 
chluinnteadh  an  Eaglais  Chille-Mhoire  an 
Uidhist  a  Tuath.  Agus  bha  bhuil  ann.  Mar 
thuirt  fear  de'n  choimhthional,  "  Far  an  d' 
fhuair  an  t-uan  am  bainne,  theid  e  rithisd 
ann." 

Ach  bha  iad  ann,  eadhon  an  Uidhist, 
daoine  a  bhiodh  a'  gearan  nach  robh 
Maighstir  Domhnull  cruaidh  gu  leor  no  idir 
bagarrach  gu  leor  'n  a  theagasg.  Chaidh 
am  freagairt  aon  Domhnach  co-dhiu. 
"  Faodaidh  e  bhith  gu  bheU  cuid  anns  an 
eisdeachd  a  their  nach  'eil  mi  cruaidh  gu 
leor  air  daoine,  no  eu-dochasach  gu  leor  d'  an 
taobh."  Thainig  togail  air  a  cheann  agus 
lasag  'n  a  shuil.  "  Rachaibh  do'n  chladh  ud 
shios,  mata,  agus  abraibh  an  sin,  os  cionn 
luchd  bhur  gaoil,  nach  'eil  ministeir  ChiUe- 
Mhoire  cruaidh  gu  leor  a  thaobh  nam  beo 
no  eu-dochasach  gu  leor  a  thaobh  nam 
marbh.  Abraibh  e,  ma  theid  agaibh  air." 
Ma's  maith  an  sgathan  an  t-siiil,  thainig 
tiomadh,  mur  tainig  fiamh  cuideachd,  air  gach 
cridhe  anns  a'  choimhthional. 

An  deidh  adhlacadh  Chalum-cille,  chaidh 
fear  de  na  manaich  a  steach  do'n  Eaglais 
Mhoir  a  dheanamh  iirnuigh.  An  uair  a  dh' 
amhairc  e  mu'n  cuairt,  thainig  rachd 
caoinidh  air  ;  "  Is  fuar  falamh  an  eaglais 
an  diugh,  gun  esan  innte." 


Leis  an  Urramach  Aonghus  Mac-a-Bhiocair, 
M.A.,  an  Cinntire, 

'S  e  duine  sonraichte  a  bha  ann  am 
Maighstir  Domhnull,  duine  air  an  do  bhuUich 
Dia  talantan  neo-chumanta,  agus  a  bharrachd 
air  na  gibhtean  nadurra  a  bha  aige,  bha  e  'n 
a  dhuine  spioradaU,  Ian  de  ghras  agus  de 
spiorad  na  diadhaidheachd.  Bha  e  's  an 
t-saoghal  ach  cha  robh  e  de'n  t-saoghal  so. 

Bha  6  ciuin,  coibhneU,  teo-chridheach, 
cairdeil,  f ialaidh,  agus  foidhidinneach;  stuama, 
measarra,  agus  faicilleach,  'n  a  chaitheamh- 
beatha  agus  'n  a  ghluasad ;  ghc  ann  an 
gnothuichean  na  h-eaglaise  agus  na  diithcha. 
An  aoigheachd  a  bha  'n  a  aodann  blath  bha 
e  'n  a  chridhe  cuideachd. 

Bha  e  mion-eolach  's  an  Fhirinn  agus  ann 
an  litreachas  nan  Athraichean  agus  ann  an 
eachdraidh  nan  Naomh,  agus  cha  bhiodh 
duine  turail  sam  bith  fada  'n  a  chuideachd 
gun  fhaicinn  gu  soilleir  gu'n  do  leugh  e  a 
h-uile  leabhar  nuadh  agus  sean  a  b'  fhiach 
a  leughadh. 

Bha  e  'n  a  dheagh  shearmonaiche  ann  am 
Beurla  agus  ann  an  Gaidhlig,  gu  h-araidh 
anns  a'  Ghaidhhg,  canain  a  mhathar  agus  a 
shinnsearachd.  B'  e  searmonaiche  Gaidhlig 
a  b'  fhearr  agus  a  bu  tlachdmhoire  eisdeachd 
ris  a  chuala  mise  riamh.  Bha  e  soisgeulach, 
grunndaU,  ordail,  agus  deas  'n  a  chainnt. 
Bha  rud-eigin  ur  aige  air  son  an  t-sluaigh  a 
h-uUe  Sabaid,  agus  cha  deachaidh  e  riamh 
do'n  chubaid  gun  fhios  aige  ciod  e  a  bha  e 
dol  a  bhruidhinn  air.  Gradh  Dhe  ann  an 
Criosd  agus  sith,  sin  na  cuspairean  a  bu 
dluithe  d'a  chridhe.  Co  a  chuala  Maighstir 
Domhnull  a'  frithealadh  bord  comanachaidh, 
no  ag  Iirnuigh  aig  tiodhlacadh,  no  aig  posadh, 
no  aig  baisteadh,  a  dhi-chuimhnicheadh  a 
dhiirachd  agus  a  bhriathran  taitneach  snas- 
mhor.  Cha  robh  guth  laidir  aige,  ach,  a' 
cronachadh  peacaidh  obann  agus  an  uilc,  b' 
abhaist  dha  a  bhith  gu  math  smachdail  agus 
sgairteil. 

Cha  robh  aite  au'  an  t-saoghal  a  bu  docha 
leis  na  Uidhist,  agus  cha  robh  sluagh  air 
thalamh  a  bu  docha  leis  na  muinntir  Uidhist. 
Mar  a  b'  abhaist  dha  fhein  a  radh  gu  math 
trie,  "  Na  daoine  gaolach  laghach  :  na  daoine 
gaolach  laghach!  " 

Thubhant  ar  Slanuighear  "  uach  tainig 
mac  an  duine  gu'n  deantadh  frithealadh  dha 
ach  a  dheanamh  frithealaidh."  O'n  latha 
's  an  do  phosadh  e  ri  eaglais  Chille-Mhoire 
gus  an  latha  an  do  leag  e  dheth  a  dhreuchd 
dh'  fhaodadh  Maighstir  Domhnull  a  radh  le  . 
firinn    nach     tainig;     esan    eu'n    deantadh 


AN  T-OLLAMH  DbMHNULL  dJ)MHNUI.LAOH,  UIDHIST-A-TUATH  3 


fritliealadh  dha  ach  gu'n  tainig  e  a  dheanamh 
frithealadh  do  na  h-uile  :  oir  cha  robh  ach 
aon  ni  's  an  amharc  aige  riamh — 's  e  sin 
math  spioradail  agus  timeil  an  t-shiaigh. 
B'  e  sin  an  latha  sona  do  mhuinntir  Uidhist 
agus  an  latha  fortanach  do  dh'  Eaglais  na 
h-Albann  an  latha  a  thill  Domhnall  mac 
Alasdair  'ic  Dhomhnuill  'ic  Chaluim  'n  a 
rahinistear  6g  air  ais  do'n  Eilean  Fhada! 

Tha  bron  is  ionndrainn  an  diugh  ann  an 
iomadh  tigh  an  Uidhist  bho  BhaUaidh  gii 
Grimsaidh,  bho  Phort  nan  Long  gu  Machair 
lollaraidh,  oir  chaill  a  h-uile  duine  's  an 
sgireachd  sgaoilte  fharsuing  sin  caraid  gradh- 
ach  seasmhach  agus  ministeir  diadhaidh 
dileas.  B'  aithne  dhasan  gach  teaghlach 
agus  an  cor,  agus  cha  robh  duine  's  an  eUean, 
beag  no  mor,  nach  robh  eolach  airsan,  agus 
na  'm  bitheadh  rud  sam  bith  a  dhith  orra, 
ge  b'e  air  bith  eaglais  do'iii  buineadh  iad, 
's  ann  thuige-san  a  rachadh  iad  air  son 
comhairle,  no  cuideachaidh,  no  iasad-airgid, 
agus  cha  deachaidh  duine  riamh  do  Bhaile- 
locha  nach  d'  fhuair  iochd  agus  fuasgladh. 
Tha  mise  a'  creidsinn  nach  b'  urrainn 
Maighstir  Domhnull  duine  bochd  lorn  ocrach 
a  thionndadh  air  falbh  falamh,  agus  tha  mi 
lan-chinnteach  nach  tug  e  cridhe  goirt  sam 
bith  le  fhiosrachadh.  Beannachdan  nam 
bochd,  agus  beannachdan  na  cloinne,  lean 
na  beannachdan  sin  e  re  a  thuruis  air  thalamh 
gus  an  latha  mu  dheireadh. 

Bithidh  "  cuimhne  agus  iomradh  math  " 
air  Maighstir  Domhnull  ann  an  Uidhist  fad 
iomadh  latha  's  bliadhna. 

Sith  d'a  anam. 


Leis  an  Urramach  Sedras  MacConnich,  B.D., 

an  Grianaig 

CHUALAS     osna    dhuilich     an    Uidhist-a- 

Tuath  o  chionn  ghoirid  ;   chaochail  Maighstir 

Domhnull. 

Tha  e  duilich  a  chreidsinn  fhathast  gu'n 
tainig  a'  chrioch  air,  oir  is  gann  gu'n  urrainn 
duine  smaointeachadh  air  Uidhist  as  aonais. 
Fad  leth-cheud  bliadhna  bha  e  "mar  ionad- 
fasgaidh  o'n  ghaoith,  agus  mar  dhidein  o'n 
doininn  "  do  shean  is  6g.  'S  e  ruigte  leis  gach 
ceist  a  bha  feum  a  reiteach,  is  gach  caradh  a 
bha  feum  a  leasachadh.  Glic,  ttirail,  ciallach, 
dh'  eisdeadh  e  ris  gach  cas  le  foidhidinn,  is 
cha  bhiodh  aithreachas  air  an  dream  a 
ghabhadh  a  chomhairle.  Com  a'  choibhneis 
's  a'  chairdeis,  cridhe  na  h-aoigheachd  's 
na  fialachd,  cha  bhi  fios  gu  la  bhrath  air  an 
liuthad  eiginn  d'  an  tug  e  fuasgladh,  oir  cha 
tachradh   a   theanga   air.     Fritheilteach   an 


tigh  a'  bhroin,  easgaidh  a  dh'  fhiosrachadh 
an  dilleachdain  's  na  bantraich  'n  an  trioblaid, 
choimhead  e  e  fhein  gun  smal  o'n  t-saoghal. 
"  'S  i  so  an  diadhaidheachd  fhior-ghlan." 

Bhiodh  e  doirbh  duine  fhaighian  a  bu 
fhreagarraiche  air  a  dhreuchd  na  Maighstir 
Domhnull.  Bha  maise  na  naomhachd  'n  a 
ghniiis  chiuin,  choir ;  agus  cha  b'  urrainn 
duit  a  bhi  comhla  ris  gun  a  bhi  faireachail 
air  buaidh  chiatach  an  t-saoghaU  neo- 
fhaicsinnich.  Bha  e  siobhalta  'na  ghiulan; 
bha  e  siobhalta  'n  a  theagasg.  Shearmonaich- 
eadh  e  gu  socair,  reidh,  le  guth  druidhteach, 
a'  nochdadh  do'n  t-sluagh  gradh  Dhe  ann 
an  losa  Criosd.  An  comhnuidh  a'  cumaU  air 
chuimhne  gu  bheU  cridhe  ciiirrta,  goirt,  's 
a'  h-uile  coimhthional,  bha  misneach,  dochas, 
is  comhfhurtachd,  a  ghnath  'n  a  theachd- 
aireachd. 

Bha  inntinn  geur,  soilleu'  gu  nadurra ; 
bha  toil  aige  dh'ionnsachadh  ;  agus  uime 
sin,  ged  a  bha  chrannchur  an  eilean  iomallach 
a'  chuain,  bha  e  cho  fiosrach  ri  fear  's  an 
t-sreath.  Bheireadh  e  mach  as  'ionmhas 
nithean  nuadh  agus  scan.  Searmonaiche 
maith  am  Beurla,  cha  chuala  mi  riamh 
searmonaiche  Gaidhlig  a  bu  taitniche,  agus 
chan  f haca  mi  idir,  idir  fear  a  chuartaicheadh 
bord  Comanachaidh  cho  ordaO  ris. 

Agus  abair  Gaidhlig!  Bha  a  chainnt  cho 
deiseil,  simplidh,  achdarra,  is  nach  e  mhain 
gu'n  robh  a  sheanachas  furasd  a  thuigsinn, 
ach  bha  dreach  air  a  bheireadh  aoibhneas 
do'n  chridhe.  Bha  mi  uair-eigin  an  cuideachd 
seana  mhinisteir  a  bha  'n  a  shearmonaiche 
Gaidhlig  air  leth  comasach,  agus  thachair 
dhuinn  tarriiing  a  thoirt  air  searmonachadh 
Gaidhlig.  "  Cha  chuala  mi,"  ars'  esan,  "  ach 
da  shearmonaiche  Gaidhlig  riamh."  B'  e 
Domhnull  DomhnuUach,  ministeir  Ceann-a- 
Tuath  Uidhist,  fear  dhiubh ! 

A  bharr  air  uallach  na  sgu-eachd,  bha 
Maighstir  Domhnull  'n  a  chleireach  agus  'n 
a  chomhairliche  glic  an  Cleir  Uidhist  air 
son  suas  ri  da  fhichead  bliadhna.  Is  iomadh 
turns  udalach  a  bha  aige,  a'  freasdal  air 
coimhthionalan  gun  mhinisteir  ;  dh'fhaoid- 
teadh  a  radh  gu'n  robh  ro-chiaram  nan 
eaglaisean  uile  a'  teachd  air  o  uair  gu  uair. 
Fo  mhor  speis  aig  a  bhraithrean  's  a'  Chleir, 
bha  earbsa  is  creideas  aig  Eaglais  na  h-Alba 
gu  leir  ann.  Thug  Oil-thigh  Ghlaschu  an 
D.D.  dha,  agus,  a  ghraidh  an  t-saoghail,  's 
e  b'  au'idh  oirre ! 

Ged  a  b'  e  dleasnas  a  dhreuchd  a  bu 
dliiithe  do  chridhe  an  duine  choir  agus 
chliuitich  so,  bha  lamh  aige  ann  an  cuisean 


AN  T-OLLAMH  DOMHNIJLL  DbMHNULLACH— CR^OCH  XrAIDH  AN  DUINE 


aimsireil  na  sgire  gus  an  tainig  ciaradh  an 
fheasgair  is  lapaiche  na  h-aoise.  Far  am 
biodh  e  bhiodh  rian  is  riaghaUt,  is  leas  na 
duthcha  air  altrum  gun  ghuth  mor  no  droch 
fhacal.  Bha  e  de'n  bheachd  gu'm  b'  fhearr 
a  bhi  samhach  na'n  fhirinn  innseadh  le 
farran. 

Ged  a  bha  an  t-Ollamh  Domhnull  Domh- 
nullach  stolda,  citiin  'n  a  dhol  a  mach  's 
'n  a  theachd  a  steach,  bha  e  ceanalta,  suairc, 
gaolach  air  comhradh  inntinneach  is  fealla-dha 


gun  gho.  Co  b'  airrasiche  dh'  uidheamaich- 
eadh  sgeul,  c6  b'  aoibheile  an  ceann  a' 
bhiiird  ? 

Air  a  chrunadh  le  urram  'n  a  thir  fein,  cha 
chualas  riamh  na  bu  mhiosa  uime  na 
"Maighstir  Domhnull"  bho  chomh-luchd- 
duthcha,  no  "  Baile-'n-loch "  bho'n  choig- 
reach.  Bidh  cuimhne  is  ionndrainn  air  fhad 
's  a  bhios  a'  ghineal  so  bed. 

Seimh  gu'n  robh  chadal. 


Crioch  araidh  an  duine 

Leis  an  Urramach  Aonghus  Mac-an-Fhleisdeir,  B.D.,  am  Bothwell. 

"  Uime  sin  co  dhiubh  dh'itheas  no  dh'dlas  sibh,  no  ge  b'e  ni  a  ni  sibh,  deanaibh  na 
h-uile  nithean  chum  gldire  Dhe." — I.  Cok.  x,  31. 


"  DEANAIBH  na  h-uile  nithean  chum  gloire 
Dhe." 

Tha  cuimhne  againn  uile  air  a'  cheist  agus 
air  an  fhreagairt  a  dh'  ionnsaich  sinn  nuair 
a  bha  sinn  6g.  "  Ciod  is  crioch  araid  do'n 
duine  ?  " 

Tha  Leabhar  Aithghearr  nan  Ceist  a'  cur 
na  ceist  sin  oirnn  anns  a'  cheud  dol  a  mach. 
Tha  sin  a'  leigeil  fhaicinn  dhuinn  cho  glic  's 
a  bha  na  daoine  a  chuir  r'a  cheile  na  ceistean 
a  tha  's  an  leabhar  bheag  sin.  Tuigidh  a' 
chlann  6g  a'  cheist  so.  Nach  i  so  direach  a' 
cheud  cheist  a  bhios  iad  fhein  a'  cur,  nuair 
a  chi  iad  ni  sam  bith  nach  fhaca  iad  riamh 
roimhe !  "  Ciod  e  tha  so  ?  "  bithidh  iad  ag 
radh.  "  Car  son  a  rinneadh  e  ?  De  's  feum 
da  ?  "  Agus  ma  tha  sinn  'n  ar  creutairean 
reusanta  idir,  chan  fhaod  e  bhi  nach  do 
chuir  sinn  a'  cheist  so,  "Mise  mi  fhein; 
car  son  a  rinneadh  mi  1  De  's  feum  d'  an 
bheatha  so  ?  Car  son  a  chruthaich  Dia  an 
duine  ?  " 

Da  mhile  bliadhna  roimh  so,  bha  na 
daoine  glic  am  measg  nan  Greugach  a' 
beachd-smuaineachadh  air  na  ceistean  sin. 
Thubhairt  iad  riu  fhein  'n  an  smuaintean, 
"  Cha  do  rinneadh  gun  aobhar  sinn.  Chan 
'eU  beatha  an  duine  gun  chiall,  gun  chuis, 
gun  fheum.  Cha  chreid  sinn  gu'n  robh  sinn 
air  ar  cur  's  an  t-saoghal  chum  's  gu'n  ith 
sinn,  agus  gu'n  61  sinn,  agus  gu'm  bi  sinn 
marbh  am  maireach,  Tha  ar  n-inntinn  agus 
ar  n-anam  cho  mor  agus  cho  iongantach  's  gu 
bheil  feum  na's  fearr  na  sin  air  an  son." 

Fath  na  beatha  so. 

Bha  feadhainn  ag  radh— mar  a  tha  feadh- 
ainn  ag  radh  riu  fhein  aig  an  la  diugh — ■ 
"  Rinneadh  mi  chum  's  gu'm  biodh  mi 
sona.    'S  e  sin  fath  na  beatha  so."    Ach  bha 


feadhainn  eile  a'  freagairt,  "  Chan  'eil  sin 
ceart.  Is  fhearr  a  bhi  dileas  na  bhi  sona. 
Is  fhearr  a  bhi  fulang  air  son  do  chair  dean, 
no  air  son  do  dhiithcha,  ma  bhios  sin  feumail, 
na  bhi  sireadh  do  shonais  fhein." 

An  sin  dh'  eirich  feadhainn  eUe,  agus 
thubhairt  iadsan,  "Dh'  fhaodadh  gu'n  do 
rinneadh  sinn  gu  bhi  sona,  ach  chan  fhiach 
sonas  no  solas  idir,  ach  an  sonas  agus  an 
solas  a  thig  an  lorg  ar  dleasanais.  Ma  bhios 
suil  againn  daonnan  r'  ar  sonas  fhein  a 
mhain,  caiUidh  sinn  e  ;  ach  ma  bhios  suil 
againn  air  nithean  eile,  nithean  as  fhearr,  's 
ann  an  sin  a  bhios  sinn  sona  da  rireadh." 

Tha  sinn  coltach  ri  daoine  a  rachadh  a 
mach  le  bogha  no  le  gunna,  a  thilgeil  air 
comharradh  no  air  targaid.  Mur  h-eU  sinn 
glic,  faodaidh  sinn  ar  beatha  a  chaitheamh 
a'  tilgeil,  a'  losgadh,  a'  leigeU  urchrach,  gun 
fhios  CO  dhiti  's  e  'n  targaid  cheart  a  tha 
romhainn,  no  nach  e.  Is  mairg  a  bhi  tUgeU 
air  targaid  chearr,  ged  a  dh'  amaiseadh  sinn 
air,  agus  mar  sin  a  bhi  a'  call  cothroim  air 
an  targaid  cheart  a  bhualadh  agus  air  duals 
fhaotainn. 

Tilgeil  air  comharradh. 

Bha  na  smuaintean  so  am  beachd  nan 
daoine  glic  am  measg  nan  Greugach,  oir  am 
facal  a  bha  aca  air  son  peacaidh,  b'  e  sin 
facal  a  bha  ciallachadh  "  tilgeil  air  comh- 
arradh gun  a  bhualadh."  Ma  bha  na  saigh- 
dean  a'  dol  seachad  no  a'  tuiteam  gu  lar  an 
^ite  an  targaid  a  ruigheachd,  b'  e  "  hamartia  " 
— peacadh,  am  facal  a  bha  aca  an  son  sin. 
Mar  sin  tha  an  t'abstol  Pol  ag  radh,  "  Pheac- 
aich  na  h-uUe,  agus  tha  iad  air  teachd  gearr 
air  gloir  Dhe." 

Agus  bha  na  Greugaich  a'  foighneachd, 
c'kit  an  robh  an  targaid  cheart ;    ciod  an 


CR^OCH  ilRAIDH  AN  DUINE 


oomharradh  air  am  bu  choir  dhaibh  a  bhi 
tilgeil  ?  Ciod  e  am  math  as  airde,  am  math 
as  fhearr  air  ar  son  ?  No,  mar  a  tha  Leabhar 
nan  Ceist  ag  radh,  "  Ciod  i  crioch  araid  do'n 
duine  ?  " 

Chan  e  na  daoine  glic  a  mhain  a  bha,  no 
a  tha,  a'  cur  na  ceist  so,  agus  a'  toht  freagairt 
dhi.  Tha  gach  duine  's  an  t-saoghal  a'  toirt 
freagairt  do'n  cheist  so  anns  gach  la  d'a 
bheatha.  Dh'fhaodadh  nach  'eil  fhios  aige 
gu  bheil  e  deanamh  sin,  ach  tha  e  tilgeil  air 
oomharradh  aii-  choireigin,  bitheadh  e  math 
no  olc.  Is  iomadh  oomharradh  feumail  a  tha 
air  a  chur  romhainn  anns  a'  bheatha  so  ; 
biadh,  aodaoh,  airgiod,  slainte  ohorporra,  agus 
a  leithid  sin.  Tha  iad  sin  uUe  'n  an  criochan 
matha,  nach  bu  chou'  dhuinn  a  dhichuimh- 
neachadh.  Ach  chan  'eil  anns  na  criochan  sm 
ach  meadhonan  gu  crioch  na's  mo  a  ruigh- 
eachd.  Chan  'eil  sinn  a'  tighinn  beo  chum 
's  gu'n  ith  sinn  :  tha  sinn  ag  itheadh  chum 
's  gu'm  bi  sinn  beo.  Tha  airgiod  gle  mhath 
'n  a  aite  fhein  ;  ach  ma  bhios  long  air  a 
briseadli  air  eilean  beag  fada  o'n  tir,  agus 
ma  bhios  na  seoladairean  a'  dol  as  cho  math 
's  a  dh'fhaodas  iad  ;  ged  a  bhiodh  storas  mor 
de  dh'airgiod  agus  de  dh'or  air  an  luing, 
nach  biodh  na  daoine  gorach  na'm  biodh  iad 
a'  toirt  an  oir  led  agus  a'  fagaU  arain  agus 
gach  seorsa  bidh  gus  an  sluigeadh  na  h-uisg- 
eachan  suas  iad ! 

Tha  gach  duine  a'  our  targaid  no  oomh- 
arradh air  choreigin  roimhe,  co  dhiu  tha 
fhios  aige  fhein  gu  bheil  e  deanamh  sin, 
no  nach  'eU,  agus  tha  e  a'  sireadh,  agus  a' 
feuohainn,  oomharradh  a  bhualadh  anns  gach 
ni  a  tha  e  deanamh.  Is  e  so  a  tha  cur  eadar- 
dhealachadh  eadar  gHocas  agus  amaideaohd, 
gu  bheil  fhios  aig  an  duine  ghHo  ciod  a  tha 
e  our  roimhe,  ciod  a'  chrioch  a  tha  e  sireadh  : 
chan  'eU  e  a'  caitheamh  a  bheatha  mar 
dhuine  dall  a'  coiseaohd  's  an  dorohadas.  Is 
beag,  is  boohd,  is  olc  beatha  an  duine  sin 
naoh  'eil  a'  sireadh  criche  moir  agus  priseil. 
Feumaidh  sinn  bhi  'g  iarraidh  nithean  air  ar 
son  fhein,  no  cha  teid  againn  a  bhi  tighinn 
beo  idir  ;  ach  ma  bhios  sinn  beo  uLle  gu  leu- 
air  ar  son  fhein,  chan  fhiach  ar  beatha  ach 
beag. 

Cinnich  agus  duthchanna. 

Tha  sin  f ior,  ohan  e  a  mhain  mu  thimchioll 
dhaoine,  ach  mu  thimchioll  nan  cinneach 
agus  nan  dtithchannan  cuideachd.  Bu  choir 
do  dhuine  bhi  'g  iarraidh  math  a  theaghlaioh 
fhein,  no  leas  agus  math  a  choimhearsnaich, 
amhuU  mar  a  tha  e  ag  iarraidh  maith  air  a 
shon  fhein.  Bu  choir  do'n  duine  agus  d'a 
theaghlach  agus  d'a  choimhearsnach  a  bhi 


'g  iarraidh  math  dhaoine  eile,  agus  math  na 
dtithcha.  Ach  ma  bhios  muinntir  na  diithcha 
gun  suim  do  dhiithchannan  eile,  mur  bi  iad 
ag  iarraidh  math  do  na  cinnich  eile,  agus 
mur  h-eil  iad,  oho  fad  's  is  urrainn  daibh,  a' 
our  air  aghairt  leas  dhaoine  eile,  chan  'eil 
iad  glic  :  ohan  'eil  iad  a'  deanamh  oeartais 
eadhon  d'  an  duthaioh  fhein.  Chan  'eil  e 
oeadaiohte  do  dhuine  sam  bith  no  do  ohinn- 
each  sam  bith,  a  bhi  beo  dha  fhein  a  mhain. 
Mar  a  tha  e  sgriobhta,  "  Na  seallaibh  gach 
aon  air  na  nithean  a  bhuineas  da  fein,  ach 
gach  aon  air  na  nithean  a  bhuineas  do  dhaoine 
eile  mar  an  ceudna." 

Sinn  f^in. 

Cha  tig  sith  oheart  agus  chinnteach  air  an 
talamh,  gus  am  bi  muinntir  gach  diithoha 
feadh  an  t-saoghaU  a'  cuimhneaohadh  -leas 
agus  math  nan  diithchannan  eile.  Tha  e 
ceart  gu  leoir  a  bhi  glaodhaich,  "  Suas  le  ar 
canain  :  suas  le  ar  duthaioh  :  suas  leis  a' 
Ghaidhlig ;  "  tha  sin  opart  :  bu  choir 
dhuinn  meas  a  bhi  againn  air  ar  duthaioh 
fhein  ;  ach  feumaidh  simi  a  bhi  toirt  an 
aire,  nach  'eil  e  oeart  idir  a  bhi  'g  eigheach, 
"  Sios  le  daoine  eUe:  sios  le  tir  air  bith 
eUe." 

"  Co  e  mo  choimhearsnach  ?  "  thubhairt 
am  fear-lagha  ri  losa,  agus  dh'innis  losa  dha 
gu'm  faodadh  e  bhi  duine  de  na  Samaritan- 
aich,  muinntir  a  bha  'n  an  naimhdean  do 
Israel  roimh  sin. 

An  targaid  air  am  bu  choir  dhuinn  a  bhi 
tilgeil,  an  oomharradh  bu  choir  dhuinn  a  bhi 
cur  romhainn,  "  crioch  araidh  "  do  gaoh 
duine,  ciod  e  tha  sin  ?  Chan  e  biadh  no  aodaoh 
no  airgiod  air  ar  son  fhein.  Tha  iad  math  gu 
leoir  agus  feumail  'nan  aite  fhein  ;  ach  tha 
a'  chuis  na's  mo  na  sin.  Chan  e  ar  teaghlach, 
ged  is  e  ar  dleasanas  curam  a  ghabhail  d'  ar 
tigh  fein.  "  Mur  dean  duine  solar  air  son  a 
chuideachd  fein,  agus  gu  h-araidh  air  son 
muinntir  a  theaghlaioh,  dh'  aicheadh  e  an 
creideamh,  agus  is  miosa  e  na  ana-oreideach." 

Chan  e  ar  diithaioh  :  is  e  feinealaohd  gach 
cinnich  an  cunnart  as  mo  a  tha  's  an  t-saoghal 
air  an  la  'n  diugh.  Ni  's  mo  na  sin,  ohan  e 
an  oinne-daoine  gu  leir.  Iad  sin  uile,  chan 
'eil  iad  ach  pairt  na  criohe  moire  so.  Agus 
an  t-ainm  a  ohuir  an  t-abstol  air  a'  chrich 
sin,  a'  chrioch  anns  am  bheil  gach  crioch 
laghail  eUe  a'  faotainn  aite  :  's  i  Gloir  Dhe 
a  thug  e  mar  ainm  oirre.  "  Deanaibh  na  h-uile 
nithean  chum  gloire  Dhe." — "  Pheacaich  na 
h-uile,  agus  tha  iad  air  teaclid  gearr  air 
gloir  DM,."  "  Ciod  i  crioch  araidh  do'n 
duine  ?  Is  i  crioch  araidh  do'n  duine,  Dia 
a  ghldrachadh." 


6 


CRIOCH  XrAIDH  an  DUINE- 


-RABHADH  ROIMH  LAIMH 


Gloir  Dhe. 

Ciod  a  tha  sin  a'  ciallachadh  ?  Qloir  DM  : 
ciod  i  sin  ? 

Bha  aon  bheatha  anns  an  t-saoghal  so, 
anns  an  deachaidh  a'  chrioch  sin  a  choimh- 
lionadh.  Agus  tha  cuimhne  agaibh,  a  chair- 
dean,  tha  sibh  a'  cuimhneachadh  a'  chunntais 
a  thug  losa  e  fhein  air,  nuair  a  bha  e  ri 
iirnuigh  air  an  fheasgar  roimh  a  bhas. 
Thubhairt  e  'na  urnuigh  ; — "  Ghloraich  mise 
thusa  air  thalamh."  Agus  an  sin,  mar  gu'm 
biodh  e  a'  mineachadh  nam  briathran  sin, 
thubhairt  e,  "  Chriochnaich  mi  an  obair  a 
thug  thu  dhomh  r'a  dheanamh."  Bhi 
deanamh  na  h-oibre  a  thug  Dia  dhuit  r'a 
dheanamh  ;   is  e  sin  a  bhi  glorachadh  Dhe. 

Tha  fhios  againn  gu  bheil  na  nithean  a 
chruthaich  Dia  'g  a  ghlorachadh.  Tha  "  na 
speuran  ard  as  aille  dreach  "  a'  seinn  d'  an 
Cruithear  eo-sheirm  bhinn.  "  Tha  'ghrian 
gun  sgios  o  la  gu  la,  a'  sgaoileadh  cliii  a 
Dia  's  gach  ait." 

Ciamar  tha  iad  'g  a  ghlorachadh  ?  Tha 
iad  a'  deanamh  na  thug  Dia  dhaibh  mar 
obair.  'S  ann  mar  sin  a  tha  iad  'g  a  chliiith- 
achadh.  'S  ann  mar  sin  a  tha  iad  a'  cur  an 
ceill  a  ghloire.  Is  ann  mar  sin  a  dh'fhaodas 
sinne  cuideachd  bhi  'g  a  ghlorachadh.  Bha 
losa  a'  deanamh  sin  nuair  a  bha  e  a'  teagasg 
agus  a  slanachadh  luchd-aiteachaidh  Ghalile 
agus  Jerusalem.  Bha  e  a'  deanamh  sin  nuair 
a  bha  e  air  chrann-cheusaidh.  Agus,  a 
thuilleadh  air  a  sin,  bha  e  a'  deanamh  an  ni 
ceudna  nuair  a  bha  e  'na  shaor  ann  an 
Nasaret.  Ge  b'  e  ni  a  ni  thu,  ma  bhios  tu 
cinnteach  gur  e  toil  Dhe  gu'n  dean  thu  sin, 
tha  thu  'g  a  ghlorachadh. 


Obair  gun  deanamh. 

Is  iomadh  duine  a  tha  bronach  nuair  a 
chuimhnicheas  e  an  obair  a  thug  Dia  dha 
r'a  dheanamh  ;  obair  a  dh'fhag  e  gun  a 
dheanamh.  Tha  e  a'  deanamh  aithreachais 
nuair  a  smuainicheas  e  air  na  nithean  sin. 
Cha  do  ghloraich  siim  ar  Dia  mar  bu  choir 
dhuinn.  Faodaidh  e  bhi  nach  bi  an  cothrom 
againn  na's  mo  air  an  dleasanas  a  chur  an 
gniomh  a  dhichuimhnich  sinn  an  de.  Ach 
tha  obair  aig  Dia  air  ar  son  an  diugh.  Tha 
e  a'  toirt  cothroim  eUe  dhuinn  a  nis  ;  obair 
eile  a  tha  e  ag  iarraidh  oirnne  a  dheanamh. 
Is  math  a  bhi  duihch  air  son  ar  mearachdan, 
ach  chan  'eil  math  sam  bith  a  bhi  caoidh 
mearachdan  an  de,  agus  a'  fagail  obair  an 
latha  diugh  gun  oidhirp  a  thoirt  'g  a  deanamh. 

Tha  obair  aig  Dia  air  do  shon  an  diugh. 
Bi  cinnteach  as  a  sin.  Theagamh  nach  'eU 
sinn  comasach  air  nithean  mora  a  chur  an 
gniomh,  ach  tha  feum  aig  Dia  air  nithean 
beaga  cuideachd.  Ged  nach  'eil  thu  ach  ag 
itheadh  agus  ag  61  le  cridhe  taingeil,  tha  thu 
a'  toirt  seirbhis  dha.  larr  air  innseadh  dhuit 
ciod  e  a  thoil  gu'n  deanadh  tu  a  nis.  Agus 
ma  thuigeas  tu  ciod  is  coir  dhuit  a  bhi 
feuchainn  a  nis,  agus  ma  bhios  tu  ag  obair 
air  na  gnothuichean  sin,  faodaidh  tu  bhi 
creidsinn  gu  bheil  thu  a'  cliuthachadh  an 
Tighearna  do  Dhia,  comhla  ris  na  neamhan 
agus  na  h-ainglean  as  aird  an  gloir,  a  tha 
cur  an  ceill  a  mhoralachd  agus  a  naomhachd 
o  shiorruidheachd  gu  siorruidheachd. 

''  Ge  b'e  ni  a  ni  sibh,  deanaibh  na  h-uile 
nithean  chum  gloir e  Dhe." 


Rabhadh  roimh  laimh 

Leis  an    Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an   Tigh-an-UilU. 


THACHAIR  duine  orm  bho  chionn  ghoirid  a 
tha  a'  creidsinn  gu  mor  ann  an  rabhaidhean 
a  bhios  daoine  a'  faotainn  roimh  laimh  air 
nithean  a  tha  dol  a  thachairt. 

Tha  iomadh  neach  ann  an  diugh  nach  'eil 
idir  a'  creidsinn  gu'n  teid  aig  duine  air 
rabhadh  mar  so  fhaotainn.  'S  ann  timchioU 
air  aon  a  bha  aon  uair  gle  ainmeil  an  Sgir 
Mhuc-arna  a  tha  an  naidheachd  a  leanas  air 
a  h-innseadh.  Tha  i  air  a  sgriobhadh  ann 
am  Beurla  mar  tha,  uair  no  dha,  ach  cuiridh 
mise  sios  an  so  ann  an  Gaidhlig  i.  Bidh  a 
bheachd  fein  aig  gach  neach  a  leiighas  i. 

Fear  Inbhir  Atha. 

Tha  tigh  mor  Inbhir  Atha  an-  a  thogail  air 
bruachan  Abhainn   Atha   ann   an   aite   cho 


boidheach  's  air  an  dearc  do  shuil  air  taobh 
siar  na  Gaidhealtachd.  Tha  e  an  aithris  gu 
robh  Donnchadh  Caimbeul,  uachdaran 
Inbhir  Atha  aig  an  am,  aon  fheasgar  'na 
shuidhe  'na  aonar  aig  an  teine  ann  an  aon 
de  na  seomraichean  nuair  chual  e  gnogadh 
cruaidh  aig  an  dorus.  An  uair  dh'  fhosgail 
se  e  chunnaic  e  duine  ciontach  an  sin,  eudach 
sroichte,  fheUeadh  dearg  le  full,  is  anail  an 
aird  a  chleibh,  agus  ghuidh  e  air  gu 
durachdach  aite-dion  a  thoirt  da  ;  gu'n  do 
mharbh  e  duine  ann  an  streupaid  agus  gu'n  .m 
robh  an  luchd-toir  gu  dian  as  a  dheidh.  ^ 

Gheall  an  Caimbeulach  sin  dha,  ach  cha 
robh  e  ach  gann  air  an  duine  a  chur  ann  an 
aite-falaich  nuair  chual  e  an  ath  ghnogadh 


RABHADH  ROIMH  LAIMH 


aig  an  dorus.  Nuair  dh'fhosgail  se  e 
chunnaic  e  dithis  fhear  fo  Ian  armachd  'n  an 
seasamh  air  an  aird-bhuinn,  is  thubhairt  iad 
a  beul  a  cheile,  "  chaidh  do  cho-ogha  a 
mhort  an  diugh,  agus  tha  sinne  an  toir  a' 
mhortair."  Chuimhnich  an  Caimbeulach 
air  a'  ghealladh  agus  cha  do  ghabh  e  air  gu'n 
robh  fhios  aige  c'aite  an  robh  am  fear  a  bha 
fo'n  choill.     Thog  na  seoid  orra. 

An  taibhs. 

An  oidhche  sin  fein  bha  an  t-uachdaran 
'na  chadal  ann  an  seomar  mor  farsuinn. 
Air  feadh  na  h-oidhche  dliuisg  e  le  uamhas 
is  eagal,  oir  chunnaic  e  an  taibhs  aig 
Domhnull,  a  cho-ogha  a  bha  air  a  mhort,  'na 
sheasamh  aig  taobh  a  leapa,  is  thuirt  e  ann 
an  guth  garg  na  briathran  so,  "  Fhir  Inbhir 
Atha!  Fhir  Inbhir  Atha!  Tha  fuil  air  a 
dortadh,  na  teanachd  thusa  am  mortair." 

Anns  a'  mhaduinn,  air  an  ath  latha  chaidh 
an  Caimbeulach  gu  aite-falaich  a'  mhortair 
's  thuirt  e  ris  nach  b'  urrainn  da  fhalach  na 
b'  fhaide.  "  Cuimhnich,"  ars  am  fear  eile, 
"  gu'n  d'thug  thu  t'  fhacal  air  do  bhiodaig." 
Chuir  so  dragh  nach  bu  bheag  air  inntinn  an 
uachdarain  agus  gun  fhios  aige  de  b'  fhearr 
dha  a  dheanamh.  Bha  a  chogais  'g  a 
dhiteadh  agus  fhathast  bha  e  air  son  fhacal 
a  chumail,  agus  's  e  rinn  e  gu'n  do  threoraich 
e  am  mortair  gu  uamh  am  Beinn  Cruachain, 
a  bha  dluth  air  laimh,  agus  dh'  fhalaich  e  an 
sin  e. 

An  ath  oidhche,  nuair  ghabh  e  mu  thamh 
bha  e  a'  carachadh  's  a  tionndadh  agus  e 
cho  mi-shocair  's  nach  b'  urrainn  da  cadal. 
Chual  e  a  ris  an  aon  ghuth  garg,  agus  nuair 
dh'fhosgail  e  a  shiiilean  chunnaic  e  taibhs 
Dhomhnuill  an  dara  uair  agus  e  'na  sheasamh 
ri  taobh  na  leapa  aige,  agus  chual  e  na  h-aon 
bhriathran  eagallach  bho  bhilean,  "  Fhir 
Inbhii-  Atha!  Fhir  Inbhir  Atha!  tha  fuil 
air  a  dortadh,  na  teanachd  thusa  am 
mortair."  'Nuair    shoUleirich    an    latha 

chaidh  e  le  cabhaig  is  e  fo  throm  iomgain 
dh'  ionnsuidh  na  h-uamha,  ach  bha  i  falamh 
fas  's  an  coigreach  air  tarruing. 

Ticonderoga. 

An  oidhche  sin  fein  nuaii'  chaidh  e  do'n 
leabaidh  cha  b 'urrainn  da  cadal,  ged  bha 
sannt  gu  leor  aige  air.  Chunnaic  e  an  taibhs 
an  treas  uair  is  aodann  cho  gruamach  ged 
bha  a  ghuth  moran  na  bu  chiiiine  na  chleachd 
e  bhith,  agus  labhair  e  na  briathran  so, 
"  Slan  leat,  Fhir  Inbhir  Atha,  gus  an 
comhlaich  sinn  le  cheile  aig  Ticonderoga !  " 

Cha  deach  an  t-ainm  neonach  ud  riamh  air 
dichuimhne  air  a'  Chaimbeulach.  Beagan 
an  deidh  sin  ghabh  e  anns  an  arm,  agus  bha 


e  's  an  reisimeid  ainmeil  sin  ris  an  abrar 
"  Am  Freiceadan  Dubh,"  a  bha  a'  cumail 
smaig  air  na  Gaidheil  a  bha  buaireasach  's 
an  am^ 

Re  uine  fhuair  e  'na  Mhaidsear,  agus 
bliadhna  no  dha  an  deidh  sin  bhris  cogadh 
mor  a  mach  eadar  Breatunn  agus  an  Fhraing, 
agus  chaidh  esan  air  cheann  na  reiseimeid 
aige  do  America  gus  an  talamh  a  bha  aig  an 
Fhraing  an  sin  a  thoirt  a  mach.  Chaidh 
crith  'na  fheoil  'nuair  chual  e  gu  robh  aca  ri 
ionnsuidh  dhaicheil  a  thoirt  air  Gearasdan 
ris  an  cante  Ticonderoga. 

Bha  fhios  aig  na  h-oifigearan  a  bha  maUle 
ris  air  naidheachd  Inbhir  Atha  agus  air- 
briathran  na  taibhse,  is  chuir  iad  an  cinn  ri 
cheile  gus  a  char  a  thoirt  as  le  bhith  cur  an 
ire  dha  nach  e  Ticonderoga  a  bha  iad  a 
dliithachadh  air  ach  Gearasdan  Dheorsa. 

Anns  a'  mhaduinn,  an  ath  latha  ghabh  iad 
beachd  air  cho  mi-thuarail  agus  cho  mi- 
shunndach  's  a  bha  e.  Chuir  e  failt  orra  anns 
na  briathran  so.  "  Thug  sibh  an  car  asam. 
Is  e  so  Ticonderoga.  Thainig  e  do'n  champ 
agam  an  raoir  ;  so  latha  mo  dhunach-sa." 
Mar  thubhairt  b'fhior. 

Chuir  an  naidheachd  so  'n  am  chuimhne 
naidheachd  a  tha  againn  ann  an  Leabhar 
Dhaniel  air  an  rabhadh  a  fhuair  Belsasar 
roimh  uair  a  bhais.  Rinn  e  fein  agus  na  bha 
maUle  ris  dichuimhne  air  Dia,  is  bha  iad  ag 
aoradh  do  dhiathan  eile.  Tha  e  coltach  gu'n 
do  rinn  e  cuirm  mhor  agus  chruinnich  e 
chuice  mile  d'a  thighearnaibh  agus  bha  iad 
ag  61  a  soithichean  oir  a  ghoid  athair 
Nebuchadnesar  a  teampuU  Dhe  ann  an 
lerusalem.  Ann  am  meadhon  na  cuirme 
thug  an  righ  siiil  air  a'  bhalla,  is  chunnaic 
e  ni  a  chuir  eagal  is  dragh  air,  dh'atharraich 
a  choltas,  is  bha  a  chasan  air  chrith  fodha, 
cho  luath  ri  slait  an  sruth. 

Sgriobhadh  air  a'  bhalla. 

Chunnaic  e  lamh  duine  a'  tighinn  a  mach 
as  a'  bhaUa,  agus  sgriobh  a  mheoir  air  a' 
bhaUa  na  briathran  so  "  Mene,  Mene,  Tecel 
Upharsin."  Cha  d'  fhuaradh  duine  anns  an 
rioghachd  aige  a  mhinicheadh  na  briathran 
dorcha  so  ach  Daniel,  braighdeanach  a 
ludali.  B'  e  ciall  nam  briathran  so  gu'n 
robh  an  rioghachd  gu  bhith  air  a  toii-t 
uaithe.  Air  an  oidhche  sin  fein  chaidh 
Belsasar  a  mharbhadh  agus  ghabh  fear  eUe 
aite. 

Ma  tha  na  bheil  sinne  a'  leughadh  's  a' 
cluinntinn  timchioU  air  Hitler  's  air  a 
chuideachd  uile  fior  tha  iad  moran  na'  s 
miosa  na  bha  Belsasar.      Tha  an  sluaoh  air 


RABHADH  ROIMH  LAIMH— AG  URNUIGH  GUN  SGUR 


an  cumail  aca  an  dorchadas,  tha  Soisgeul 
Chriosd  gle  shuarach  'n  an  sealladh  ;  na 
h-eaglaisean  'g  an  dunadh  agus  na  minis- 
tearan  nach  geill  d'  an  toil-san  air  an  tilgeil 
ann  am  priosan.  Faodaidh  gu  mair  so  greis 
bheag  ach  thig  an  latha,  luath  no  mall, 
nuair  gheibh  an  sluagh  cothrom  eiridh  agus 
an  cuibhrichean  a  thilgeil  dhiubh;  anns  an 
latha  sin  bidh  coltas  is  casan  Hitler  mar  bha 
coltas  is  casan  Bhelsasar. 

Chan  'eil  teagamh  sam  bith  nach  do  rinn 
Hitler  obair  mhor  anns  a'  Ghearmailt  bho'n 
fhuair  e  'na  cheannard  oirre,  ach  ghabh  e 
'na  cheann  gu  rachadh  aige  air  an  t-saoghal 
gu  leir  a  cheannsachadh.  Cha  b'  esan  'a 
cheud  fhear  a  smuainich  sin  agus  theagamh 
nach  e  am  fear  mu  dheireadh. 

An  Dia  nach  do  ghloraich  thu. 

Mu'n  do  thoisich  an  cogadh  mor  so  tha 


cuimhne  agam  air  oraid  a  Hubhair  fear  de 
mhinistearan  a'  chriiin  againn  fein  anns  an 
d'  thug  e  cliu  mor  do  Hitler  air  son  na  rinn 
e  air  son  na  Gearmailt.  Ach  aig  a'  cheart 
am  thug  e  rabhadh  dha  e  a  ghabhail  leis  na 
bha  aige  cheana,  agus  gu'm  biodh  meas  air 
mar  dhuine  mor  ach  mur  gabhadh  gu'n 
eireadh  gu  h-olc  dha. 

Tha  mi  a'  smuaineachadh  gu  bheil  na 
briathran  a  sgriobhadh  mu  Bhelsasar  fior 
d'a  thaobh-san  mar  an  ceudna,  "  Mharbhadh 
e  an  ti  a  b'  aill  leis,  agus  an  neach  a  b'  aiU 
leis  chumadh  e  beo,  agus  an  neach  a  b'  aill 
leis  chuireadh  e  suas,  agus  an  neach  a  b'  aiU 
leis  chuireadh  e  sios." 

Chuir  e  ann  an  neo-bhrigh  gaoh  rabhadh 
a  fhuair  e  agus  a  nis  tha  meur  a' 
sgriobhadh  air  a'  bhaUa — "  An  Dia  aig  a 
bheil  t'anail  'na  laimh  cha  do  ghloraich  thu  ; 
uime  sin  criochnaichidh  e  do  rioghachd." 


Ag  urnuigh  gun  sgur 

Leis  an  Urramach  Niall   G.  Ddmhnullach,  an  Aird-nam-murchann. 


SO  agaibh  naidheachd  a  fhuair  mi  an  la 
roimhe  bho  sheann  charaid  air  an  do  thadhail 
mi  air  chuairt  am  measg  muinntir  a'  choimh- 
thionail.  Tha  i  fior  oir  bha  'athair  gu  math 
eolach  air  na  daoine  ann  an  laithean  oige. 

Is  coltach  gu'n  robh  duine  anns  an  sgir 
aig  an  am  a  bha  gu  math  caoin-shuarach 
mu'n  eaglais  is  mu  gach  ni  air  son  an  robh 
i  a'  seasamh  am  beachd  dhaoine.  Bha  so 
a'  cur  curaim  air  a  chairdean,  is  bha  iad  air 
am  maslachadh  le  dhol  air  adhart.  Dh'fheuch 
iad  gach  doigh  air  am  b'urrainn  dhoibh 
smuaineachadh  gu  thaladh  gu  Tigh  na 
h-Urnuigh,  is  dh'fheuch  iad  ri  a  cho- 
eigneachadh,  ach  dhiult  e  am  muigh  is  am 
mach  cas  a  chur  a  stigh  air  dorus  na 
h-eaglaise. 

'S  e  thainig  as  gu'n  do  chuir  a  chairdean 
an  cinn  ri  cheile,  agus  air  an  ath  Shabaid 
thog  iad  leotha  e  a  dheoin  no  dh'aindeoin. 
Nuair  a  chunnaic  e  nach  robh  dol  as  ann 
dha,  chaidh  e  leotha  ceum  air  cheum,  agus 
cha  bu  bheag  an  t-ionghnadh  do  mhuinntir 
an  aite  a  bhi  'ga  fhaicinn  a'  gabhail  aite 
suidhe  maille  ri  chairdean.  Cha  d'  thubhairt 
e  facal,  is  cha  do  ghluais  e  gus  an  do 
thoisich  an  t-seirbhis,  agus  an  sin  sparr  e  a 
chorragan  'na  chluasan.  Dh'fhuirich  e  mar 
sin  fad  na  h-tiine  gus  mu  mheadhon  an 
t-searmoin  an  d'  thainig  cuileag  a  laigh 
air  a  shroin.  B'fheudar  dha  an  sin  aon  d'a 
lamhan  a  thoirt  bho  chluais  a  chum  a  cur 
air  falbh.  Air  dha  sin  a  dheanamh  chual  e 
am  ministear  ag  radh — "  Bithibh  ag  urnuigh 
gun  sgur."  Chuir  na  briathran  sm  iongantas 
air,  agus  is  e  thainig  as  gu'n  deach  Iain  far 


an  robh  am  ministear  aig  crioch  na  seirbhis 
feuch  an  innseadh  e  dha  ciamar  a  bha  e 
comasach  do  dhuine  a  bhi  ag  iirnuigh  gun 
sgur.  Thug  am  ministear  fanear  gu'n  d' 
rinn  na  briathran  so  beothachadh  air  inntinn 
Iain,  is  ged  nach  do  thuig  e  iad,  gu'n  robh 
iad  a'  cur  dragh  air.  Bu  mhath  a  bha  fhios 
aige  cuideachd  gu'n  robh  Iain  deas  gu  dol 
an  deasbud  mu'n  deighinn,  is  smuainich  e 
gu'm  b'e  an  rud  a  b'fhearr  a'  ghabhadh 
deanamh  leigeil  leis  a  bhi  a'  beachdachadh 
orra  leis  fhein  car  tacain  fhathast. 

Dh'iarr  e  air  Iain  a  lethsgeul  a  ghabhail 
oir  gu'n  robh  e  car  trang  aig  an  am  le  obair 
an  latha,  '"  ach,"  ars'  esan,  "  rach  thusa  far 
a  bheil  Alasdair  DhornhnuUl  's  a'  mhaduinn, 
agus  is  e  mo  bharaU  gu'm  fuasgail  esan  a' 
cheisd  sin  dhuit." 

B'  fhada  le  Iain  gus  an  d'  thainig  a' 
mhaduinn,  agus  air  dha  bhi  cinnteach  gu'n 
robh  Alasdair  air  a  chois,  thog  e  air  a  nunn 
gu  tigh  a  charaid.  Cha  bu  bheag  an  t-iongh- 
nadh a  ghabh  e  Alasdair  fhaicinn  is  e  trang 
a'  ruamhar.  Ghabh  e  nunn  far  an  robh  e 
agus  a'  cur  faUte  air  ;  ars'  esan  : — "  Tha 
sibh  trang  ag  obair,  Alasdair."  "  Trang  ag 
obair  agus  ag  urnuigh,"  fhreagair  Alasdair. 
B'  ann  mar  sin  a  fhuair  Iain  fuasgladh  do'n 
cheist  a  chum  cadal  na  h-oidhche  uaithe,  agus 
tha  e  ri  aithris  gu'n  robh  atharrachadh  ri 
fhiosrachadh  an  caitheamh  beatha  Iain 
bho'n  latha  sin. 

Aon  eUe  de  na  meadhonan  a  tha  Dia  a' 
cleachdadh  gu  bhi  a'  diisgadh  spiorad  an 
aithreachais  an  cridheachan  dhaoine. 

NfCORf^ODALE 


Aireamh  6 


1940 


Cairdean  losa 

Is  sibhse  mo  chairdean-sa. — Eoin   XV.,   14. 


vJHAN  'eil  teagamh  nach  d'  thug  e  toil- 
inntinn  mh6r  do  na  deisciobuil  an  uair  a 
thubhairt  losa  riu,  "  Is  sibhse  mo  chairdean- 
sa,"  oir  b'  ion  daibh  moit  a  bhi  orra.  Cha 
fhreagradh  e  dhaibhsan  a  rkdh  gu'm  b'e  losa 
an  caraid-san,  agus  cha  mho  a  thubhairt  iad 
e,  no  a  rinn  iad  boilich  as  an  d^imh  anns  an 
robh  iad  do  losa.  Ciod  air  bith  na  faihngean 
eile  a  dh'  fhaodadh  a  bhi  anns  na  h-abstoil 
cha  robh  an  f  haihng  annta  dol  ro  dh^na  air 
losa.  Ged  bha  iad  cho  eolach  air,  agus  ged 
bha  caidreamh  cho  dltith  eatorra,  cha  do 
dhichuimhnich  iad  riamh  an  t-urram  a  bha 
dhgheach  a  thoirt  da.  Bha  cuid  de  na 
h-abstoil  cairdeach  dha  a  thaobh  na  feola  ; 
bha  Seumas  agus  ludas  air  an  togail  anns  an 
aon  teaghlach  maille  ris,  ag  itheadh  aig  an  aon 
bhord  ris,  agus  a'  cadal,  theagamh,  anns  an 
aon  leabaidh  ris  ;  bha  iad  'n  an  cairdean  dha 
ann  an  da  dhoigh,  le  ceangal  na  fala  agus  le 
bann  na  deisciobuileachd,  ach  ma  bha,  an  uair 
a  thoisich  iad  air  Htrichean  a  sgriobhadh  a 
chum  na  h-eaglais  cha  d'  thuirt  iad  aon  fhacal 
uime  sin ;  sgriobh  iad  mar  sheirbhisich  an 
Tighearn  losa.  "  Tha  Seumas  seirbhiseach 
Dhe,  agus  an  Tighearn  losa  Criosd,  a'  cur 
beannachd  chum  an  d^  threubh  dheug  a  tha 
air  an  sgapadh  o  cheile."  Ach  ged  nach  do 
ghabh  na  deisciobuil  orra  fein  dol  ro  dhana 
air  am  Maighstir  agus  an  Tighearna,  chan  'eU 
teagamh  air  bith  nach  do  leum  an  cridhe  le 
moit  is  gairdeachas  an  uair  a  thubhairt  e 
fein  an  rud  nach  freagradh  dhaibh-san  a  radh, 
"  Is  sibhse  mo  chairdean-sa." 

Daimh  bhlath. 

Uair  eile  thubhairt  e  riu,  "  Tha  sibh  ag 
radh,  Maighstir,  agus  Tighearna,  riumsa ; 
agus  tha  sibh  ag  radh  gu  maith  ;  oir  is  mi 
sin  "  ;  ach  an  so  tha  e  ag  radh  gu  bheil 
daimh  eUe  agus  daimh  as  blaithe  na  sin 
eadar  e  fein  agus  iadsan,  daimh  a'  chairdeis 
agus  a'  ghraidh.  Bha  e  air  bheul  an  saoghal 
f  hagail ;  bha  e  dol  a  chur  nan  abstol  a  mach 
gus  an  saoghal  a  chosnadh  dha,  agus  a'  fagaU 
rioghachd  Dhe  air  thalamh  air  an  ciiram  ; 
ach  m'an  do  chuir  e  a  mach  iad  ghabh  e  an 
cothrom  air  innseadh  dhaibh  gu  robh  e  'g 
an  cur  a  mach,  chan  ann  mar  sheirbhisich  a 
mhain  ach  mar  chairdean.  B'e  sin  an  doigh 
a  ghabh  e  au'  innseadh  dhaibh  gu  robh  Ian 
earbsa  aig  annta ;  earbsa  'n  an  dilseachd 
agus  'n  an  dichioU. 


Bho  thaobh  Chriosd  tha  an  cairdeas  so  a' 
ciallachadh  gu'n  toir  e  solus  d'a  shluagh  ; 
gu'n  dean  e  'inntinn  agus  a  ruintean  soiUeir 
dhaibh,  agus  gu'n  toir  e  dhaibh  eolas  nan 
nithean  sin  a  tha  e  feumaU  dhaibh  eolas  a  bhi 
aca.  "  Ghairm  mi  cairdean  dibh  ;  oir  na 
h-uile  nithean  a  chuala  mi  o'm  Athair,  rinn 
mi  aithnichte  dhuibh-sa  iad."  Ma  bu  mhaith 
leat  fhaotaian  a  mach,  mata,  a  bheil  thusa  am 
measg  cairdean  Chriosd,  ceasnaich  thu  fein 
feuch  a  bheU  thu  a'  faotainn  an  t-soilleireach- 
aidh  so  a  thaobh  nan  nithean  a  bhuineas  do 
rioghachd  Dhe  agus  do'n  t-saoghal  neo- 
fhaicsinneach.  Ma  tha  thu  an  diugh  far  an 
robh  thu  fichead  bliadhna  roimhe  so,  gun  dol 
aon  cheum  air  t'  aghaidh  ann  an  eolas,  no 
ann  an  creideamh,  no  ann  an  gliocas,  is  ion 
dhuit  eagal  a  bhi  ort  nach  'eil  thu  'g  ad 
chumaU  fein  ann  an  co-chomunn  Chriosd. 

Bho  ar  taobh-ne  tha  an  cairdeas  so  a' 
ciallachadh  gu'm  feum  sinn  umhlachd  a 
thoirt  d'ar  Slanuighear.  Sin  an  ctimhnant 
air  an  aidich  e  sinn  mar  a  chairdean,  "  Is 
sibhse  mo  chairdean-sa  ma  ni  sibh  na  nithean 
a  tha  mi  ag  aithneadh  dhuibh."  Tha  Criosd 
ag  iarraidh  da  ni  shonruichte  o  shluagh,  gradh 
is  iimhlachd  ;  agus  as  eugmhais  nan  nithean 
sia  cha  bhi  e  riaraichte,  eadhon  ged  a  dhean- 
adh  iad  an  teanga  tana  a'  moladh  'ainme 
anns  na  sraidean.  Chan  urrainn  duine 
dearbhachd  no  comhfhurtachd  a  bhi  aige  a 
thaobh  a  sheasaimh  an  lathair  Dhe,  mur 
bheU  a  chasan  agus  a  lamhan  luath  gu  toil 
Dhe  a  dheanamh.  "  Rinn  mi  cabhag,"  ars' 
an  saLmadair,  "  chum  t'aitheantan  a  choimh- 
ead." 

Da  shedrsa  iimhlachd. 

Tha  mughadh  mor  eadar  seirbhiseach  agus 
caraid.  Faodaidh  e  bhith  nach  'eil  anns  an  t- 
seirbhiseach  ach  inneal  ann  an  laimh  a 
Mhaighstir.  Ni  e  an  car  a  gheibh  e  r'a  dhean- 
amh, agus  oibrichidh  e  na  h-uairean,  ach  chan 
'eil  caidreamh  no  companas  eadar  e  fein  agus 
a  Mhaighstir  ;  chan  fhosgail  a  Mhaighstir 
'inntinn  dha  agus  cha  mh6  a  chuireas  e  a 
chomhairle  ris.  Chan  e  sin  an  daitnh  fhuar 
a  bu  mhaith  le  losa  a  bhi  eadar  e  fein  agus  a 
dheisciobuH;  gheall  e  gu'm  fosgladh  e  'inntinn 
dhaibh,  agus  bu  mhaith  leis  gu'n  tuigeadh  iad 
a  riiintean.  Chleachd  e  gach  innleachd  a 
ghabhadh  chleachdadh  gus  diomhakeachdan 
na    rioghachd   fhosgladh    dhaibh,    agus    bu 


CAIRDEAN   lOSA 


mhaith  leis  gu'n  tuigeadh  iad  uile  na  nithean 
a  bha  aige  's  an  amharc. 

Tha  dk  she6rsa  timhlachd  ann  a  dh'  fhaodar 
a  thoirt  do  Dhia,  timhlachd  mharbh  agus 
umhlachd  bheo.  Tha  na  reiiltan  a'  toirt 
umhlachd  dha,  oir  tha  iad  a'  leantuinn  an 
otirsa  anns  na  speuran  gun  dol  lend  na 
roinneig  a  null  no  naU.  Ach  ma  tha,  chan 
'eil  ann  an  Umhlachd  nan  reultan  ach 
timhlachd  mharbh,  ou-  chan  urrainn  iad  an 
corr  a  dheanamh.  Ach  tha  e  ann  an  comas 
mhic  an  duine  roghainn  a  dheanamh  co  dhiu 
a  bheir  e  timhlachd  do  Dhia  no  nach  toir,  air 
chor  agus  ma  roghnaichneas  e  lagh  Dhe  a 
choimhead,  gu  bheil  e  'g  a  dheanamh  le  saorsa 
a  thoile,  agus  mar  sin  gu  bheil  'umhlachd 
beo.  Sin  an  timhlachd  as  toigh  le  Criosd, 
umhlachd  bheo  o  dhaoine  saor  ;  o  dhaoine  air 
nach  'eU  cuing  air  bith  ach  cuing  a'  chairdeis 
agus  a'  ghraidh. 

Gumhachd  Chriosd. 

0  bheatha  nan  abstol  agus  o  bheatha 
mhiltean  anns  an  1^  diugh  tha  e  furasda  gu 
leoir  fhaicinn  gu  bheU  cumhachd  is  eifeachd 
ann  an  c^irdeas  Chriosd  nach  'eU  ann  an 
c^irdeas  eUe  air  an  t-saoghal.  Ann  an  laithean 
fheola  dh'  aithnich  eadhon  an  naimhdean  air 
cuid  de  na  h-abstoil  gu  robh  iad  maille  ri  losa. 
Gabhaidh  sin  aithneachadh  air  daoine  an 
diugh  cuideachd.  Tha  e  a'  deanamh  nan  uUe 
nithean  nuadh  anns  na  cridheachan  a  ghabhas 
ris,  agus  a'  cruth-atharrachadh  nan  daoine  a 
ghluaiseas  maille  ris.  Tha  e  a'  deanamh 
maiseach  is  glormhor  gach  ni  no  neach  ris  am 
bean  e.  Eadhon  ged  nach  beanadh  duine  ach 
ri  iomaU  'fhaUuinn  gheibh  e  beannachd  air 
chor-eigin  an  cois  a  thighinn  dltith  dha.  Tha 
cuid  de  dhaoine  ann  agus  miUidh  an  cairdeas 
ar  beusan  agus  ar  beatha,  ma  ni  sinn  cairdean 
dhiubh.  Anns  gach  comunn  anns  am  bi  iad, 
tha  iad  mar  a'  ghaoth  fhuar  reota  a  chrionas 
feur  is  fochann ;  is  misd  thu  aileadh  an 
analach  fhaotainn.  Ach  tha  daoine  eile  ann 
a  tha  mar  bhlaths  caomhail  na  greine  no  mar 
ghaoth  bhog  an  earraich  a  bheir  fas  is  toradh  ; 
is  fheatrrd  thu  a  bhi  'n  an  comunn  eadhon 
coig  mionaidean,  oir  bheir  iad  dhuit  call  ur 
air  son  nan  nithean  a  tha  fior-ghlan  agus 
ion-mholta.  Sin,  mata,  a'  bhuaidh  a  tha  aig 
Criosd  thairis  air  a  chairdean.  Dtiisgidh  e 
annta  gaol  nan  nithean  air  a  bheil  gaol  aige 
fein. 

Droch  chompanaich. 

Ma  tha  e  ceart  dhuinn  caraid  maith  a 
thaghadh  tha  e  ceart  dhuinn  cuideachd 
cairdean  dona  a  sheaohnadh.  Tha  moran  de 
dhaoine  oga  a'gabhail  a'  cheud  cheum  ann 
an  slighean  ain-diadhaidh  a  chionn  nach  do 


thagh  iad  an  companaieh  gu  ctiramach. 
Nach  mor  an  t-aobhar  eagail  a  tha  ann  do 
ph^rantan  an  uair  a  chi  iad  am  mac,  no  gu 
sonruichte  an  nighean,  a'  deanamh  companach 
de  leithid  Absolom.  Ged  bha  Absolom 
maiseach  'n  a  phearsa  cha  robh  ann  ach  diu 
nan  gUlean.  B'  fhada  bho  cheUe  e  fein  agus 
'athatr.  Ged  bha  f^ihngean  mora  agu? 
uamhasach  ann  an  Daibhidh,  bha  cridhe  ann,  "^ 
agus  gr^dh  ;  chuireadh  e  e  fein  mu'n  cuairt 
air  son  dhaoine  eile  agus  bha  e  'n  a  charaid 
dileas  is  blath.  Bha  Daibhidh  'n  a  dhuine 
baigheU  ;  an  cairdeas  a  bha  eadar  e  fein  agus 
lonatan  chaidh  e  os  cionn  gaol  bhan.  Ach 
cha  robh  baigh  no  births  ann  an  cridhe 
Absolom  ;  bha  a  chridhe  cho  fuar  's  a  bha 
e  cho  dubh  ;  chuir  e  a  chompanaich  uile  air 
seachran  cho  maith  ris  fein.  Tha  facal  an 
Tighearn  ag  r^dh,  gu'n  sgriosar  companach 
nan  amadan,  agus  esan  ata  'n  a  chompanach 
do  luchd-craois,  gu'n  naraich  e  'athair.  Nach 
sona,  mata,  na  parantan  a  chi  an  clann  a' 
deanamh  mar  a  rian  an  salmadair  ;  "  is  fear- 
comuinn  mi,"  ars'  esan,  "  dhaibh-san  uUe 
air  am  bi  t'  eagal,  agus  dhaibh-san  a  ghleidh- 
eas  do  reachdan." 

luchair  a'  ghraidh. 

An  uair  a  bhios  sinn  a'  smuaineachadh  air 
losa  mar  ar  caraid  agus  ar  brathair  cuimh- 
nicheamaid  cuideachd  air  na  cairdean  dltith 
is  dUeas  a  bha  aige  ann  an  laithean  fheola, 
agus  guidheamaid  air  Dia  gu'n  deanadh  e 
sinne  coltach  riu  anns  a'  ghaol  a  bha  aca  air 
losa  ;  gu'n  deanadh  e  coltach  sinn  ri  Eoin  a' 
Bhaistidh,  a  bha  coma  ged  bhiodh  e  fein  air 
isleachadh  na'm  biodh  Criosd  air  ardachadh  ; 
coltach  ri  Tomas  a  bha  toUeach  dol  maille  ris 
gu  bas,  agus  coltach  ri  Eoin  agus  Muire,  an 
dithis  a  f  huair  cho  dltith  dha,  mar  dhuais  an 
gaon  air.  Tha  iad  ag  radh  gu  bheil  an  gaol 
daU,  ach  an  aite  sin  a  bhi  fior,  is  e  an  fhirinn 
gu  bheU  mile  stiU  aig  a'  ghaol.  B'e  na  c&,irdean 
a  bu  mhotha  gaol  air  losa  a  bu  mho  a  chunnaic 
d'a  ghloir.  Bha  Eoin  air  thoiseach  air  daoine 
eile  ann  an  diomhaireachd  na  diadhaidheachd 
a  thuigsinn,  a  chionn  gu  robh  e  air  thoiseach 
orra  ann  an  gradh.  Is  maith  an  gloin-amhairc 
an  grMh  gus  nithean  spioradaU  fhaicinn. 

Ged  nach  b'  aithne  do  Phol  losa  ann  an 
laithean  fheola  bha  e  'na  charaid  cho  dileas  's  • 
a  bha  riamh  aige.  Agus  air  an  laimh  eile  dh' 
fhiosraich  Pol  'n  a  anam  fein  cairdeas  losa  a 
cheart  cho  fior  'sab'  aithne  do  Pheadar  a 
chompanas  ann  an  GaHle,  rud  a  tha  dearbh- 
adh  dhuinn  nach  robh  cothrom  no  sochair 
air  bith  aig  na  ceud  dheisciobuU  a  thaobh 
cairdeas  an  t-Slanuigheir  nach  fhaod  a  bhi 
againne.  Faodaidh  Criosd  a  bhi  annainn, 
agus    sinne    annsan,    faodaidh    ceangal    cho 


CAIRDEAN  lOSA— DALTACHAM  A'  CHRUAIDH  FHORTAIN 


dluth  a  bhi  eadaruinn  agus  esan  's  gur 
h-urrainn  dhuiiin  a  radh,  "  Tha  mi  air  mo 
cheusadh  maille  ri  Criosd,  gidheadh  ata  mi 
beo ;  ach  cha  mhise,  ach  Criosd  a  ta  beo 
annam ;  agus  a'  bheatha  ata  mi  nis  a' 
caitheamh  's  an  f  heoil,  tha  mi  'g  a  caitheamh 
tre  chreideamh  Mhic  Dhe,  a  ghradhaich  mi 
agus  a  thug  e  fein  air  mo  shon." 

Companas  losa. 

7s  sibhse  mo  chdirdean-sa.  Nach  b'e  sin 
an  t-urram,  'ga  chuir  air  daoine  peacach ! 
Ach  is  e  smior  na  firinn  a  tha  ann,  radh  fior 
a  tha  airidh  air  gabhaU  ris,  oir  tha  e  air  a 
dhaingeachadh  le  facal  an  Tighearna,  agus 
cha  duine  Dia  gu'n  dean  e  breug.  Ciod  a' 
ghne  ghraidh  a  thug  an  t-Athair  dhuinne 


gu'n  goirteadh  cairdean  a  mhic  dhinn!  Bu 
neoni  truagh  mar  dhiol  do'n  ghradh  so,  ar 
n-anam  agus  ar  beatha  a  thabhairt  dha  mar 
bheo-iobairt. 

Tha  Fear  caomh  ann  thar  nan  uile  ; 

0,  meud  a  ghraidh ! 
Thar  gradh  brath'r  tha  ghradh-san  duinne; 

0,  meud  a  ghraidh ! 
Faodaidh  each  fas  umainn  suarach, 
Tlath  an  diugh  's  am  maireach  gruamach; 
Annsan  gheibh  sinn  gaol  nach  fuaraich; 

0,  meud  a  ghraidh ! 

losa!  caraid  nan  naomh  agus  caraid  nam 
peacach — ni  a  chompanas  rathad  fada  goirid, 
agus  rathad  duilich  reidh,  agus  a  h-uile 
rathad  sona. 


Daltachan  a'  chruaidh  fhortain 


Leis  an    Urramach  Iain  Mac- 

BEAGAN  IMthean  mu'n  do  dh'eigheadh  an 
cogadh,  deireadh  an  Fhoghair  so  chaidh, 
dh'fhag  na  miltean  de  chloinn  na  bailtean 
mora  mu  dheas  agus  rinn  iad  air  a'  Ghaidheal- 
tachd  oir  bha  fhios  aca  gu'm  biodh  iad 
te^ruinte  's  a'  cheann  sin  na'n  tigeadh  na 
soithichean-gaoithe  aig  Hitler  a  nail  luchd- 
aichte  le  shgean-millidh  chum  ar  baUtean  a 
sgrios. 

'S  arm  air  d^  bhalach  bheaga  'n  am  measg 
sin  tha  mise  dol  a  sgriobhadh  ;  b'e  DomhnuU 
ainm  a'  cheud  fhir  agus  Alasdair  ainm  an 
fhir  eile  :  bha  iad  eadar  deich  is  dusan 
bhadhna  dh'  aois. 

Nuair  thMnig  iad  a  dh'  ionnsuidh  Manse 
Ceann  a'  Gh^raidh  ghabh  am  ministear  's  a 
bhean  beachd  air  mar  bha  na  h-aodainn  aca 
cho  geal  ris  a'  chailc,  mar  nach  faigheadh  iad 
gu  leor  de'n  bhaiime  bhlath  an  tus  an  oige. 

Bha  am  ministear  'na  dhuine  coir  truasail, 
agus  cha  robh  a  bhean  bonn  air  dheireadh  air. 
Thog  iad  fein  teaghlach,  dk  mhac  is  caileag, 
agus  mar  sin  bha  fhios  aca  ciamar  bu  choir 
dhaibh  gabhaU  ri  daltachan  a'  chruaidh 
fhortain  a  bha  air  iir  thighinn  d'  an  ionnsuidh. 
Cha  mhor  gu  robh  tigh  's  an  sgir,  ma  bha 
dad  de  mheudachd  idir  ann,  nach  d'  fhuair 
clann  aig  an  am  ud. 

Saoghal  ur. 

Nuair  ghabh  iad  greim  de  bhiadh  math 
blath,  bho  'n  bha  latha  math  ann,  chaidh 
am  ministear  sr^id  a  mach  mu'n  cuaut  leo. 
Cha  deach  an  da  bheul  comhla  fad  na  tide 
ach  a'  feoraich  cheisdean  dheth  mu'n  rud 
ud  agus  mu'n  rud  ud  eile,  oir  bha  a  h-uile 
ni  mu'n  cuairt  cho  ur  dhaibh  agus  annas 
aca  de  gach  ni.  Dh'fhag  iad  am  baile  mor 
le  thogaU  arda  's  le  shraidean  comhnard  as 


a-Phearsain,  an  Tigh-an-uillt. 

an  deidh  's  bha  iad  a  nis  air  an  dtithaich  far 
an  robh  cnuic  is  creagan,  easan  is  uiUt,  eoin 
is  beathaichean,  is  cuileagan,  nach  faca  iad 
riamh  roimhe. 

Bha  am  ministear  a'  dol  'g  an  treorachadh 
gu  cnoc  ard  far  am  faigheadh  iad  sealladh 
fada  reidh  air  an  diithaich  mu'n  cuairt  orra, 
ach  chuimhnich  e  gu'n  d'  fhag  e  a'  phiob  's 
an  tombaca  air  an  dasc  aige.  Dh'iarr  e  orra 
deanamh  air  a'  chnoc  mhor  a  sheaU  e  dhaibh 
agus  fuireach  an  sin  gus  an  ruigeadh  esan  ; 
gu  robh  e  a'  dol  air  ais  do'n  Mhanse,  ach  nach 
biodh  e  ro  fhada. 

Bha  na  craobhan  aig  an  am  ud  de'n 
bhliadhna  'n  an  Ian  mhaise  's  na  meangain 
aca  a'  liibadh  le  truimead  an  duillich.  Bha 
craobhan  mora  aluinn  a'  fas  mu'n  Mhanse, 
agus  smuainich  DomhnuU,  an  gille  bu  shine, 
gu'm  bu  ghasda  streap  suas  ann  an  dliiths 
nam  meangan  mar  bhiodh  e  a'  streap  ris 
na  staidhrichean  anns  na  clousachan  air 
Rathad  Phaislig. 

A'  chuileag  bhdidheach. 

Cha  do  dhirich  e  fada  nuair  chunnaic  e 
cuileag  mhor  bhdidheach,  crios  orbhuidh 
m'a  meadhon  agus  srann  aice  mar  gu'm 
biodh  seUlean  ann.  Ghabh  e  beachd  oirre 
greis  bheag  agus  thug  e  an  aire  gu'n  deach 
i  a  steach  ann  an  cos  mor  cruinn  uibhir  ri 
baU  coise  a  bha  an  crochadh  ri  meangan 
direach  os  a  chionn.  "  Cha  chreid  mi  fein 
nach  e  baU  sioda  tha'n  so,  Alasdair,"  ars 
esan,  "  ach  chan  fhada  gu  uair  fhios,"  agus 
e  cur  a  stigh  a  laimhe  ann.  Mu'n  canadh 
tu  "  bodach  teth  "  bha  na  miltean  de  na 
cuileagan  mora  'na  chraisg  is  iad  'g  a  lot 
gu  h-olc.  Bho  nach  robh  air  ach  briogais 
fharsuinn,  ghoirid,  chaidh  iad  suas  'nabroiim 


DALTACHAN  A'  CHRUAIDH  FHORTAIN 


is  lot  iad  e  gu  ruige  na  masan.  Thuit  e  'na 
ghlag  air  an  lar  ach  a  dh'aindeoin  sin  cha 
d'fhag  na  cuileagan  e,  is  fhuair  am  fear  a 
bha  gu  h-iosal  a  lot  cuideachd,  ged  bha  e 
neochiontach. 

Rinn  iad  air  a'  Mhanse  le  cheile,  agus 
ran-bhais  'n  am  beul.  Choinnich  am  minis- 
tear  iad  's  an  dorus  a  muigh,  is  cha  robh 
fhios  aige  air  an  t-saoghal  de  bha  cearr,  ach 
nuair  fhuair  iad  an  anail  is  cothrom  bruidhinn 
thuig  e  gur  iad  na  speachan  a  bha  'g  an 
oUeanachadh.  Chuir  e  fein  agus  a  bhean 
bhinicir  air  na  lotan  aca  is  thug  e  rabhadh 
teann  dhaibh  gun  ghnothuch  a  bhi  aca  ri  ni 
no  neach  air  nach  robh  iad  mion-eolach,  ge 
b'e  cho  boidheach  's  'g  am  biodh  e.  Ma  bha 
iad  ban  a'  dol  a  mach  bha  iad  dearg  gu  leor 
a'  tighinn  a  steach. 


An  ath  Di-domhnaich  dh'innis  am  minis- 
tear  an  sgeul  a  dh'innis  mise  mar  tha,  agus 
thuirt  e  "  tha  mi  cinnteach  gu  bheil  cuid 
agaibh  an  so  an  diugh  a  their  gun  mhoran 
smuaineachadh  nach  d'  fhuair  na  gillean 
ni  ach  na  thoill  iad,  ach  bu  mhiann  learn 
gu'n  seaUadh  sibh  air  a'  chuis  ann  an  doigh 
eile.  'S  e  b'  aobhar  gu'n  do  dh'eirich  cho 
olc  do  na  gillean  gu  robh  iad  air  an  aineol, 
agus  a  h-uile  ni  cho  iir  dhaibh,  agus  cha  do 
smuainich  iad  riamh  gu  robh  gath  ann  an 
creutairean  a  bha  cho  boidheach  ris  na 
speachan.  Shaoil  iad  gux  e  cuileagan  a 
bha  aca  a  bha  a'  comhnuidh  ann  am  pailliun 
sioda. 

Nach  ann  mar  sin  a  tha  am  peacadh  a' 
faotainn  greim  air  iomadh  duine  ;  tha  e  gle 
thric  cho  breagha  air  an  taobh  a  mach  is 
tha  an  duine  dol  'na  dh^il  gun  mhoran 
smuaineachaidh,  agus  mu  bheil  e  tighinn 
chuige  fein  tha  a  chaU  deanta,  is  faodaidh 
e  bhith  gu'm  fag  e  larach  air  gu  latha  a 
bhais. 

An  riochd  aingU. 

Na'n  tigeadh  an  Donas  a  dh'ionnsuidh 
dhaoine  le  adhaircean  air,  agus  a'  beucail 
gu  h-oiUteil,  theicheadh  iad  luath  gu  leor 
as  an  rathad  air,  ach  chan  ann  mar 
sin  a  tha  ;  thig  e  cho  breagha  is  cho  ciuin  ; 
bidh  a  chainnt  cho  niUis  ;  cha  ghabh  eadhon 
an  leanabh  beag  eagal  roimhe.  Nach  'eU 
e  air  innse  dhuinn  anns  an  Thirinn  gu'n 
cuir  se  e  fein  ann  an  riochd  aingil  soUlse. 

Nach  trie  a  tha  daoine  air  am  meaUadh  le 
nithean  tha  boidheach  gealltanach  air  an 
taobh  a  mach,  Bho  chionn  ghoirid  bha 
tuathanach  aig  margadh  ann  am  baUe-mor. 
Reic  e  chuid  bheathaichean  's  bha  e  deas 


gu  falbh  dhachaidh  nuair  thachair  ah  duine 
bruidhneach  gasda  air  dheagh  chur  uime, 
's  dh'fheoraich  e  dheth  an  robh  margadh 
math  ann.  Thuirt  an  tuathanach  gu'm 
faodadh  e  bhith  moran  na  b'fhearr,  nach 
robh  tuathanaich  ach  air  an  droch  ghioUachd; 
gu  robh  iad  a'  briseadh  an  cridhe  is  gle 
bheag  aca  air  a  shon. 

Thuirt  am  fear  gasda  gu  robh  e  fein  gle 
dhuilich  air  a  shon  ach  na'n  gabhadh  e  a 
chomhahle-san  gu'm  faigheadh  e  airgiod  gu 
leor  gun  obair  idir  's  gu'm  biodh  e  a'  siubhal 
feadh  na  dtithcha  ann  an  car  'n  a  dhuin- 
uasal.  Chuir  e  an  ire  do'n  tuathanach  gu 
robh  e  suas  ri  luchd-reisidh  agus  gu  robh 
fhios  roimh  laimh  aige  c6  na  h-eich  bu 
luaithe,  agus  mar  sin  gu  robh  a  soirbheachadh 
leis  gu  math,  's  gu'n  leigeadh  e  fhaicinn 
dhasan  mar  bha  an  gnothuch  ag  oibreachadh 
na'n  tugadh  e  dha  not.  Rinn  an  tuathanach 
mar  dh'iarradh  air  's  dh'fhalbh  am  fear  eile 
leatha,  's  bha  e  air  ais  an  ceann  da  uair  an 
uaireadair  is  shin  e  sia  notaichean  dha  an 
aite  na  h-aoin  te. 

Chuir  sin  fonn  math  air  an  tuathanach,  oir 
bha  e  an  diiU  gu  robh  aran  fuinte  's  nach 
cuireadh  an  saoghal  ctiram  tuiUe  air.  Thug 
e  oeud  not  an  ath  uair  do'n  fhear  nach  b' 
aithne  dha  's  dh'  aontaich  iad  coinneachadh 
an  aite  araidh  ann  an  ceann  da  uair  a  thide. 
Rinn  an  tuathanach  so,  ach  ged  dh'fheitheadh 
e  fathast  cha  tigeadh  am  fear  eUe.  Bha  an 
duine  truagh  air  a  mhealladh.  A  chionn  gu 
robh  an  duine  bruidhneach  's  air  dheagh 
chur  uime  cha  do  shaoil  e  gur  e  cealgair  a 
bha  ann. 

Feum  air  fear-iuil. 

Nuau  tha  duine  dol  an  d^il  ni  tha  ur  dha 
tha  e  fsumail  dha  seoladh  fhaotainn  bho 
neach  a  tha  eolach  chum  gu'm  bi  fhios  aige 
ciod  is  coir  dha  a  dheanamh.  Ciod  am  feum 
a  bhiodh  ann  an  sgiobair  bata  mur  b'  aithne 
dha  cursa  ceart  a  leagail  ? 

Aig  an  am  so  dltith  air  na  cladaichean 
againn  fein  tha  ^itean  araidh  ann  far  am 
bheil  na  mUtean  de  mheinean  air  an  cur  ah 
son  dragh  is  call  a  chur  air  an  namhaid. 
Nuair  thig  sgiobair  a  tha  aineolach  ah  na 
dearbh  aitean  sin  an  rathad  feumaidh  e 
fear-iuU  a  thoht  air  bord  a  bheir  am  bata 
gu  cala  reidh  ;  mur  dean  e  sin  tha  e  a' 
gabhail  a  bheatha  fein  is  beatha  na  bheU  ah 
bord  aige  'na  laimh. 

Tha  fear-iuil  againne  air  shghe  na  beatha  ; 
ma  leanas  sinn  e  cha  tuisUch  sinn  agus  cha 
dean  Satan  ar  lot.  Bha  e  fein  ah  a  bhuah- 
eadh,  ach  cha  do  gheiU.  e.  x4nn  an  latha  a' 
bhuahidh  mata  bidh  tu  tearuinte  ma  dh' 
earbas  tu  thu  fein  ris. 


Mineachadh  air  Philip.  II^  6-8 

Le  Calum  MacGilleathain,  M.A. 

"  Neach  air  bhi  dha  ann  an  cruth  DM,  nach  do  mheas  e'n  a  reubainn  efdin  a  bhi  comh- 
ionann  ri  Dia :  ach  chuir  se  e  fi.in  ann  an  dimeas,  a'  gabhail  air  fdin  cruth  seirbhisich, 
air  a  dheanamh  ann  an  coslas  dhaoine  :  agus  air  dha  bhi  air  fhaghail  ann  an  cruth 
mar  dhuine,  dh'  irioslaich  se  e  fdin,  agus  bha  e  umhail  gu  bas,  eadhon  bd,s 
a'    chroinn-cheusaidh." 


ANNS  a'  chuibhrionn  so  de  'ii  fhirinn  tha 
aon  de  f hocail  mhora  na  firinne  agaimi,  agus 
tha  am  focal  mor  so  a'  leum  a  mach  o  chridhe 
duine  a  tha  a'  sparradh  ceuman  dleasdanais 
air  daoine  eile.  Agus  sin  mar  a  tha  focail 
mhora  na  Beatha  aig  Pol  gu  minic.  Is  ann 
direach  mar  sin,  agus  e  a'  sparradh  dleasdanais 
na  fialaidheachd  agus  an  tabhartais,  a 
sgriobh  e  an  aite  eile,  "  Is  aithne  dhuibh 
gras  an  Tighearna  losa  Criosd,  ged  a  bha  e 
saoibhir  gidheadh  gu'n  d'  rinneadh  bochd  e 
air  'ur  son-se,  chum  gu'm  biodh  sibhse 
saoibhir  tre  a  bhochdainn-san."  Is  ann  mar 
sin  a  tha  e  a'  cur  eisimpleir  Chriosd  air 
beulaibh  nan  Philipianach,  agus  a'  feuchainn 
daibh  ciod  a  bha  fior  a  thaobh  an  Tighearna. 
"  Uime  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibh-se  a  bha  ann  an  losa  Criosd,  neach 
air  bhith  dha  an  cruth  Dhe — ."  Agus  is  iad 
na  dleasdanais  araidhe  a  bha  e  a'  sparradh 
orra-san,na  Philipianaich,aonachd  ghradhach, 
bhraithreil,  agus  trioslachd  inntinne  a  chuireas 
eadar  duine  agus  fheinealachd  fein  ;  "  Na 
deanar  aon  ni  tre  chonnspoid,  no  tre  ghloir 
dhiomhain,  ach  ann  an  irioslachd  inntinne 
measadh  gach  aon  gur  fearr  neach  eUe  na  e 
fein  :  na  seallaibh  gach  aon  air  na  nithean 
sin  a  bhuineas  da  fein,  ach  gach  aon  air  na 
nithean  a  bhuineas  do  dhaoine  eUe  mar  an 
ceudna.  Uime  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibhse  a  bha  ann  an  losa  Criosd. 

Teagasg  Chriosd. 

So  teagasg  Spiorad  an  Tighearna,  agus  an 
dearbh  theagasg  a  bha  aige  fein  an  l^ithibh 
na  feola.  Ma  bhios  sibh  feineil  agus  ma  bhios 
sibh  gu  maith  do  bhur  cuid  fein,  ciod  am 
barrachd  a  tha  agaibh  ?  Nach  e  sin  fior 
nadur  agus  fior  chleas  an  t-saoghaU  ?  Ach 
gr^dhaichibh-se  bhur  naimhdean  agus  dean- 
aibh  maith  dhaibh-san  a  tha  'g  'ur  cr^dh. 
Sin  am  barrachd  a  chruth-atharraicheas  an 
saoghal ;  agus  sin  am  barrachd  a  thaisbeanas 
agus  a  dhearbhas  gur  sibh  mic  Dhe  ;  oir  is  e 
nadur  Dhe  bhi  maith  do  na  h-uile  ;  tha  grian 
Dhe  a'  dealradh  air  a'  mhaith  agus  air  an 
olc,  agus  tha  frasan  Dhe  a'  tuitean  araon  air 
fearann  an  duine  cheairt  agus  air  fearann  an 
duine  mhi-cheairt. 

Tha  facal  aca  's  a'  Bheurla,  gu  bheil  an 
Diabhol  maith  d'a  chuid  fhein,  agus  chan 
'eil  fhios  agam  de  am  maitheas  a  tha  'n  a 


mhaitheas  ;  ach  is  e  tha  fior  mu  Dhia  gu 
bheil  e  maith  do  na  h-uile !  Agus  sin,  a  nis, 
ceum  agus  dleasdanas  a'  Chriosduidh,  agus 
Criosdalachd  gu  h-iomlan.  Agus  a  reir  an 
abstoil  sin  mar  a  bha  Criosd  e  fein.  Sin 
inntinn  Chriosd.  Bha  Criosd  gu  maith  do 
ludas  ;  agus  ni  a  b'iongantaiche  le  Pol  na 
sin  bha  e  gu  maith  do  Phol,  "  Ghradhaich  e 
mise  agus  thug  se  e  fein  air  mo  shon."  Sin 
barrachd  Dhe  anns  an  duine  losa  ;  agus  sin 
Dia  ann  an  losa  Criosd. 

I.  "An  cruth  Dhe."  Bha  na  h-aobhair 
aig  Criosd  a  bhi  mor.  Co  dha  a  bhuineadh 
gloir  agus  urram  agus  morachd  cosmhuil  ris  ? 
Anns  a'  cheud  seaUadh  a  bha  aig  Pol  air 
Criosd  an  so  tha  e  aige  agus  crim  Dhe  air. 
Arsa  Eoin,  "  Anns  an  toiseach  bha  am  Focal, 
agus  bha  am  Focal  maille  ri  Dia,  agus  b'e 
am  Focal  Dia."  Tha  am  facal  so  cruth  e 
fein  Ian  brigh  an  so.  Is  e  ni  buan  a  tha  's  a' 
chruth  so,  chan  e  ni  tir  ach  ni  bha  ann  o 
chian.  Bith  bhuan  a  tha  's  a'  chruth  so. 
An  cruth  Dhe,  sin  Dia  'n  a  bhith-bhuantachd. 
Agus  sin,  a  ris,  beachd  an  Tighearna  air 
fhein,  "  mu'n  robh  Maois  idir  ann  tha  mise." 
Agus  foghnaidh  duinne  so,  bha  an  Tighearna 
ag  iarraidh  air  son  a  dheisciobuU  fein  gu'm 
faiceadh  iad  a'  ghloir,  k'  ghloir  a  bha  aige 
maille  ri  Dia  mu'n  do  leagadh  bunaitean  an 
domhainn.  Bha  Criosd  Mor,  agus  chan  e 
sin  uile  e,  ach  tha  e  mor  an  comhnuidh  ;  chan 
'eU  leagadh  no  beagadh  air  morachd  an  Ti 
Naoimh.  Tha  e  mar  sin  a  ghnath  ann  fein 
agus  dheth  fein.  Ach,  arsa  Pol,  "  cha  do 
mheas  e  'n  a  reubainn  e  fein  a  bhi  comh- 
ionann  ri  Dia." 

Agus  so  mineachadh  air  na  briathran  sin. 
Cha  do  ghreimich  e  ris  a'  chUu  sin  mar  a 
ghreimicheas  an  gaduiche  no  an  creachadair 
ris  a'  chreich.  Is  e  cleachdadh  a'  ghaduiche, 
agus  cleachdadh  a  h-uile  duine  saoghalta  eUe 
cho  maith  ris,  gu'm  bidh  na  h-innean  cruaidh 
an  sas  'n  a  chuid.  Chan  ann  gun  fhios  cia 
mar  a  bheirear  as  a  lamhan  e.  Cha  dealaich 
e  ris.  Cha  dealaich  e  idir  idir  ris.  Ach  cha 
b'e  sin  do  Chriosd.  Dhealaich  esan  ris  an 
airde  a  bhuineadh  dha  fein.  Arsa  an  t-abstol, 
an  aite  eile,  dh'fhalamhaich  se  e  fhein. 
Dh'fhag  se  e  fein  lom.  Arsa  an  t-abstol, 
"  rinneadh  bochd  e."  Rinn  se  e  fein  boohd. 
"  Rinneadh  am  Focal  na  fheoil." 


6 


MINEACHADH   AIR   PHILIP 


II.  "  An  coslas  dhaoine."  Tha  am  facal  so 
coslas  a'  comh-fhreagairt  do'n  fhacal  cruth 
mar  a  ta  am  facal  Dia  a'  comh-fhreagairt 
do'n  fhacal  daoine.  Agus  dareach  mar  a 
tha  Dia  ^rd  os  cionn  dhaoine  tha  cruth  ard 
OS  cionn  coslas.  Chan  'eil  ann  an  coslas  ach 
ni  neo-bhuan  ;  ni  diomain  ;  ni  tha  ann  air 
son  seal.  Sin  cHil  beatha  an  duine  air  an 
talamh.  Ciod  e  bhur  beatha  ?  Ceo  nam 
beann !  Feur  na  machrach  ;  deatach !  Ciod 
e  an  saoghal  fein  ?  Coslas,  tha  an  fhirinn 
ag  radh,  ni  do  nach  'eil  siorruidheachd  air  a 
gealltainn.  An  coimeas  ri  beatha  duine  tha 
an  saoghal  fada  gun  teagamh.  "  Tha  al  a' 
dol  agus  kl  a'  tighinn  ;  ach  mairidh  an  talamh 
gu  br^th."  Cha  mhair  gu  siorruidh.  Chan 
'eil  's  na  briathran  sin  ach  coimeas  eadar 
dh^  choslas. 

Ach  a'  bruidheann  air  coslas  so  an  t- 
saoghail  a  tha  dol  as  an  t-sealladh  is  e  tha 
luchd-mineachaidh  an  cuid  a'  toirt  as  gur  e 
coslas  an  t-saoghail  an  saoghal  a  tha  aig 
daoine  dheth  air  an  talamh  agus  nach  e  an 
talamh  e  fein,  no  an  cruinne  e  fein  ;  agus  tha 
feum  againn  air  a  bhi  cumail  eadar-dhealach- 
adh  a  tha  eadar  na  nithean  sin  'n  ar  cuimhne. 

Ach  is  e  tha  aig  an  abstol  gu  cruinn 
cothrom  an  so  daonnachd  Chriosd.  0  bhi 
anns  na  h-ardaibh  maille  ri  Dia  agus  compairt 
aige  de  n^dur  agus  de  bhith-bhuantachd  na 
diadhachd  thainig  a  cho  iosal  ris  an  talamh 
agus  b'  esan,  a  nis,  losa  o  Nasaret.  Ach 
cuimhnich  cha  do  rinn  sin  beag  e  ann  fein  ; 
ged  tha  an  coslas  beag  agus  a  shaoghal  a 
nis  beag.  Chan  ionghnadh  ged  chuireadh 
sin  ionghnadh  air  P^druig  Grannd. 

"  An  ti  bha  ann  o  shiorruidheachd 
A'  fas  na  chiochran  truagh." 

Bu  cheum  na  h-irioslachd  e.  Thuirt  an 
ceannard-ceud,  "  chan  airidh  mise  air  gu'n 
tigeadh  tu  dha  mo  thigh."  Bu  mhodh  dha 
a  radh  ;  ach  cha  d'  thuirt  e  riamh  na  b' 
fhirinniche.  Cha  b'  airidh  an  saoghal  air, 
agus  cha  b'airidh  an  cinne-daonna  air.  Ach 
sin  far  a  bheil  gras  an  Tighearna,  maitheas 
an  Tighearna  ;  agus  sin  an  inntinn  a  bha  ann 
an  Criosd. 

III.  "  Cruth  Seirbhisich."  Tha  sinn  a  nis 
air  ais,  a  ris,  aig  an  fhacal  cruth.  Car  son  a 
tha  am  facal  so  air  a  chleachdadh  comh- 
cheangailte  ri  seirbhiseach  1  Agus  an  seorsa 
seirbhisich,  duine  a  bha  air  a  thoirt  suas  gu 
h-iomlan  do  sheirbhis,  agus  e  air  a  ghlacadh 
beo  aice.  Theagamh  gu'n  robh  da  ni  a' 
leum  cuideachd  aig  an  abstol  ;  agus,  a  ris, 
is  docha  leam  gu  bheil  comh-fhreagradh 
seaghannan  eadar  coslas  agus  cruth,  agus 
eadar  daoine  agus  seirbhiseach.     Tha  fhios 


againn  gu  bheil  an  t-abstol  Pol  gu  minic 
cho  l^n  agus  cho  lipnta  leis  an  fhirinn  a  tha 
aige  agus  nach  ruig  a  chainnt  oirre  gu  ro- 
fharsuinn.  Is  e  sin  ri  r^dh,  tha  barrachd 
mor  air  ctil  gach  facail  de  bhrigh  air  na  tha 
am  facal  comasach  air  a  chiu-  an  ceill  dheth 
fein.  Agus  saoUidh  mi  gu  bheil  dk  ni  air 
aire  an  abstoU,  agus  an  da  fhacal  so  aige, 
da  ni  mhor  chudthromach.  Air  tiis  tha  fior 
dhaonnachd  Chriosd  'g  a  dhaingneachadh 
aige.  Leis  an  fhirinn  so  fhagaU  crochte  ri 
coslas  nach  biodh  e  cunnartach  gu'n  canadh 
daoine  eUe  gu'n  d'  thuirt  Pol  nach  bu  duine 
(no  fior  dhuine)  Criosd,  nach  robh  ann  ach 
coslas  duine  ?  Agus  tha  an  t-abstol  'g  a 
chur  thar  gach  teagamh,  agus  tha  cruth  aige 
air  a  chtd  a'  nochdadh  dhuinn  gu'n  robh  fior 
n^dur  na  daonnachd  aig  an  Tighearna. 
"  An  duine  losa  Criosd."  Chan  e  ni  nach 
robh  riamh  roimhe  ann  a  ghlac  se  chuige 
fein  ach  cruth  mar  dhuiue.  Agus  tha  sin  a' 
cur  an  urraim  air  fhein  an  ceum  na  h- 
irioslachd  :  cha  b'  e  coltas  an  ni  a  bha  ann 
ach  ni  a  cheart  da  riribh,  seadh  duine,  agus 
fior  dhuine  leis  an  fhior  dhaonnachd  choit- 
chionn  (ach  as  eugmhais  peacaidh).  Agus  's 
e  an  dara  ni  nach  e  mhain  gu'n  robh  Dia 
mar  sin  'n  a  dhuine  ach  gu'n  do  thogair  e 
bhith  'n  a  dhuine  de  'n  t-seorsa  is  lugha  air  a 
bheil  urram  air  an  talamh. 

C  aite  a  nis  a  bheU  t'  uaill,  a  Mhic  an 
Philipianaich  ?  A  chuis  smaoinich !  Na  'm 
bu  righ  bu  rud-eigin  ;  na  'm  b'  uachdaran 
bu  rud-eigin  ;  ach  seirbhiseach  de  'n  t-seorsa 
a  bha  cho  bochd  agus  nach  robh  coir  aca 
air  sion ! 

Tha  inbhean  am  nieasg  dhaoine.  Tha  e  's 
an  duine,  gu  nadurra,  bhi  dol  thar  a  nabuidh. 
Feuch,  an  diugh,  an  cogadh  ;  agus  feuch,  an 
diugh,  na  carrachan-cuimhne  's  a'  chladh ! 
"Is  e  bhith  dhiubh,"  arsa  Aonghas  nam 
Beann  ;  ach  is  e  bhith  mor,  arsa  a  h-mle 
Aonghas!  Is  iomadh  smuain  a  tha  againn 
an  so  agus  a  bhitheas.  Tha  so  ann,  chuir  an 
seirbhiseach  so  ni  'n  ar  tuigse  nach  'eil  e 
furasda  do  'n  t-saoghal  le  a  mheud-mh6ir  a 
thoirt  aisde  ;  nach  e  dreuchd,  no  crannchur, 
no  suidheachadh,  duine ;  agus  nach  ionann  iad 
is  gr^dh,  coibhneas,  maitheas,  macantas, 
irioslachd,  uaisle ;  nach  ionann  iad  agus 
inntinn  an  Tighearna.  Is  ann  's  an  inntinn 
a  tha  an  duine,  agus  's  a'  chridhe.  Biodh 
an  seirbhiseach  os  cionn  nan  uUe !  Is  e  am 
fear  is  mo  a  ni  de  mhaith  am  fear  is  fearr  ; 
agus  is  e  an  seirbhiseach  m6r  am  fiughalach. 
Bha  an  Tighearn  iriosal  agus  bha  e  umhail. 
"  Dh'irioslaich  se  e  fein,  agus  bha  e  umhail 
gu  bas,  eadhon  bas  a'  chroinn-cheusaidh. 
"  Uime  sin  biodh  an  inntinn  cheudna 
annaibhse." 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Eachann  Camshron. 

BHA  moran  dhaoine  air  feadh  na  G^idhealt- 
achd  uile,  agus  gu  sonraichte  an  siorramachd 
Earra-Gh^idheal,  duilich  a  chluinntinn  gu'n 
do  shiubhail  Eachann  Camshron,  ministear 
na  Moighe,  an*  a'  mhios  a  chaidh  seachad. 
Ged  nach  robh  e  gu  maith  o  chionn  bhadhna 
eha  do  chaill  e  fhein  no  daoine  eile  dochas 
gu  'n  rachadh  e  na  b'  fhearr,  ach  an  aite 
feabhais  thainig  naidheachd  a  bhais.  Bha 
e  tri  fichead  bliadhna  dh'  aois. 

Rugadh  e  ann  an  Tixiodh  an  1880  ;  bha  e 
air  oUeanachadh  an  OUthigh  Glaschu ; 
bliadhna  'n  a  fhear-cuideachaidh  an  eaglais- 
Chaluim  Cille,  an  Glaschu  ;  air  a  shuidheach- 
adh  an  Cumlodden,  an.Cleir  lonar  Aora,  an 
1907.  A  Cumlodden  chaidh  e  do  Chill 
Mhartainn  an  1912  ;  a  CiU  Mhartainn  chaidh 
e  do'n  Oban,  agus  as  an  Oban  do  sgir  na 
Moighe,  an  Cleir  lonar  Nis. 

Ach  b'e  an  t-Oban  an  t-aite  air  am  b' 
fhearr  a  bha  e  a'  freagairt  agus  a  b'  fhearr  a 
bha  a'  freagairt  air,  oir  a  mach  o  Chornaig 
far  an  do  thogadh  e,  cha  robh  Mte  eUe  (mur 
robh  Glaschu)  anns  am  faigheadh  e  uiread 
chompanach  aig  an  robh  tiidh  anns  na 
nithean  anns  an  robh  inntinn  agus  a  chridhe 
fein,  GaidhHg  agus  bardachd  agus  comunn 
dhaoine  seanchasach.  Bu  toigh  leis  cuid- 
eachd  ;  bha  cur-a-mach  ann  fhein  ann  an 
cuideachd,  agus  cha  do  thachair  duine  riamh 
orm  aig  an  robh  uiread  naidheachdan 
abhacach  mu  f  hacaU  neonach  a  chual  e,  agus 
mu  dhaoine  neonach  a  b'  aithne  dha.  Bha 
cuimhne  mhaith  aige,  agus  gean-maith  d'a 
cho-chreutairean,  is  cha  robh  cron,  no  go, 
no  mi-rtin,  'n  a  sheanchas  no  'n  a  nadur. 

Bha  e  gaolach  air  obair  nam  bard ; 
chruianich  e  obair  nam  b^rd  Thiristeach  ann 
an  leabhar  mor  tiugh  o  chionn  bhliadhnachan, 
ach  tharruing  e  a  steach  d'a  lion  droch  eisg 
nach  b'  fhiach  an  cur  ann  an  soitheach,  agus 
a  b'  fhearr  dha  fhagail  anns  a'  chladach  aig 
na  faoUeannan.  Tha  barrachd  a  dh'  anaU 
na  bardachd  anns  na  dain  a  rinn  e  f  heia  na 
tha  ann  am  moran  de  'n  ranntaireachd  a 
chruinnich  e  cho  ctiramach.  Ach  cha  robh 
duiae  eUe  a  bhuineadh  do'n  eilean  a  b' 
urrainn  an  cruitmeachadh  ud  a  dheanamh 
cho  maith  ris. 

Chuir  e  fhein  agus  Eachann  DiighaUach  a 
mach  leabhar  beag  mu  Cholla  agus  mu 
Thiriodh,  leabhar  a  bhios  luchd-turuis  do  na 
h-eUeanan  sin  taingeil  air  a  shon. 


Bha  Eachann  Camshron  'n  a  dhuine 
laghach  sitheU  ;  ged  nach  robh  a  bhodhaig 
riamh  laidir  chuir  e  seachad  na  bhadhnachan 
a  b'  fhearr  d'a  bheatha  ann  an  eaglais  anns 
an  robh  obair  anabarrach  trom,  seann  eaglais 
an  Obain,  ach  ged  a  bha  gu  leoir  aige  ri 
dheanamh  'n  a  choimhthional  fhein  cha 
b'  ann  doicheallach  a  bhitheadh  e  an  uair  a 
ruigeadh  daoine  nach  buineadh  dha  agus 
nach  b'  aithne  dha  a  dhorus  a  dh'  iarraidh 
air  sud  no  so  a  dheanamh  air  an  son ; 
baisteadh,  no  posadh,  no  tiodhlacadh. 

Dh'  fhag  e  bantrach  agus  coignear  de 
theaghlach  ;  ceithir  mic  agus  nighean. 

An  dealbh  ionraic 

{Tha  na  rannan  so  air  an  cur  anns  an 
aireamh  so  mar  chuimhneachan  air  an  fhear  a 
rinn  iad  mu  eilean  a  ghraidh,  an  t-  Urramach 
Eachann  Camshron  nach  maireann.) 

An  teampuU  diomhair  balbh  mo  smuain 
Tha  dealbh  os  cionn  na  h-altrach 
Ri  'n  tog  mo  chridh'  an  urnuigh  bhuan 
Gach  uair  bhios  mi  an  gaiantear 
'N  a  dhaithean  aigh  tha  muir  is  traigh 
An  aiUeachd  thlachdmhor,  ghreannmhor  ; 
Tha  eoin  air  sgeith  ;  's  a'  mhachair  spreidh, 
'S  an  al  a'  leum  le  annsachd. 

Gach  uair  do'n  t-saogh'l  bheir  mi  mo  chM 
Gu  dol  do  chiiirt  na  pailliun, 
O'n  altair  seaUaidh  mi  a  suas 
Gu  dealbh  mo  luaidh  as  airde  ; 
Mo  chridhe  trom  gu'n  duisg  gu  fonn, 
Gach  feart  am  chom  ni  gaire — 
Measg  chairdean  's  chompanach  as  ur, 
'S  iad  fiughail,  muirneach,  faUteil. 

Tir  mo  ghaoU  a  ris  fo  m'  bhonn, 
Gach  muir  is  fonn  cho  oirdhearc, 
Air  bheagan  ciiraim  'ruith  mo  churs' 
An  neart  's  an  sunnd  na  h-6ige  ; 
Ach  dtiisgidh  mi  a  neul  na  sith, 
'S  mi  fad  o  m'  thir  is  m'  eolais, 
Gu  iomairt  spairn  an  t-saoghail  gun  bhaigh 
Le  charraid  bh^smhor,  leonaidh. 

Ach  mar  phlathaidhean  de'n  ghrein 
An  dtidlachd  bhreun  a'  gheamhraidh, 
A'  cur  an  cuimhn'  na  bheU  's  a  chre 
Nan  laithean  .eibhinn  samhraidh  ; 
Mar  sin  thig  dochas  dhomh  as  tir, 
Ge  diiinte  bhios  mo  theanntachd  ; 
Thig  misneach,  treuntachd,  agus  miiirn, 
Nuair  thig  gu  m'  chuimhn'  na  b'  anns' 
leam. 


CUMHA  AIR  AILEAN  jytACLEOID— ACHAN  AN  DEORAIDH 


Cumha  air  Ailean  MacLeoid^  am  Bearnaraidh 

na  Hearadh 


Lt  Eachann 

Gu  bheil  Bearnaraidh  gu  ttirsach 
'S  e  ri  ionndrainn  MhicLeoid, 
An  fhianuis  laidir  bha  clitiiteach 
'S  ann  'n  a  ghiWan  's  na  dhdigh, 
'S  tha  na  cairdean  bha  dluth  dha 
'S  trie  an  siiUean  fo  dheoir, 
Bho  nach  cluinn  iad  a  bhriathran 
Anns  an  fhion-Hos  ni's  mo. 

Fhuair  thu  aiseag  bha  siothchaU 
Dh'ionnsuidh  Fion-Hos  a  b'  aird' 
Do'n  a'  chomunn  tha  siorruidh 
Far  'n  do  mhiannaich  thu  tamh, 
Leis  an  trusgan  gian  oirdhearc 
Ni  do  chomhdach  gu  lar, 
Culaidh  rioghail  na  gloire 
Chunnaic  Eoin  i  air  each. 

Tha  sinn  bronaeh  'g  ad  ionndrainn 
'Caoidh  nan  iirnuighean  blath, 
A  bha  taitneach  is  drtiidhteach  ' 
'Cur  do  ehiiisean  'n  a  lath'r, 
Fhuair  thu  gibhtean  bha  sonraicht 
'Cur  an  ordugh  do  dhain 
Rinn  do  bhriathran  eho  maiseaeh 
Air  an  sailleadh  le  gras. 

Thu  mar  gheug  anns  an  f  hionain 
A  bha  eiataeh  fo  bhlath, 
'Gillian  toradh  gach  bUadhna 
Cha  b'  e  erionadh  aeh  fas, 
Cha  do  ehaill  thu  na  fhuair  thu 
Rinn  thu  luaidh  air  'n  ad'  la, 
Leis  an  talant  bha  luachmhor 
'S  ann  a  bhuanaich  thu  dh&. 


MacFMonghuin,  hhrd  an  eilein. 

Tha  thu  nis  anns  an  Aros 
Leis  na  braithrean  chaidh  bhuainn, 
Anns  an  dachaidh  tha  glormhor 
Aite  eomhnuidh  a  shluaigh, 
Cha  d'tig  sgleo  air  do  leirsinn 
'S  cha  d'tig  deur  air  do  ghruaidh, 
'S  chaidh  do  chlarsaeh  a  ghleusadh 
'Seinn  laoidh  eibhinn  an  Uain. 

Chan  e  saoghal  thug  duals  dhuit 
'N  a  do  thuarasdal  ard, 
Aeh  an  Ti  anns  do  ghluais  thu 
'S  a  ghabh  truas  dhiot  is  bMgh, 
Chum  E  suas  thu  an  comhnaidh 
Le  do  lochran  bha  Ian 
Gus  an  deaeh  thu  thar  Jordan 
Steaeh  do  sholas  a  ghraidh. 

Gu  bheU  Bearnaraidh  'g  ad  ionndrainn 
Tigh  na  h-iirnuigh  's  an  sluagh, 
ChaUl  i  rionnag  bha  muirneaeh 
Ghabh  a  ciu'sa  nis  uainn, 

Bho  nach  faie  sinn  an  t'  aodann 
Air  an  taobh  so  de'n  uaigh 
Bha  le  maise  na  naomhaehd 

'Nuair  a  b'  aosmhor  do  shnuadh. 

Gu  'm  bi  iomradh  is  cuimhne 
Air  an  fhirean  gu  brath, 
Bithidh  an  chii-san  ri  innse 
Do  gaeh  linn  agus  al. 
Bithidh  an  teisteas  mar  dhileab 
Air  a  sgriobhadh  air  clar, 
'S  gu  robh  Ailean  MacLeoid  dhiubh 
Air  'n  do  thoisich  mo  dhan. 


Achan  an  Deoraidh 

Leis  an  Urramach  Goinneach  MacLeoid,  D.D. 


Tha  each  a'  triaU  d'  an  aros  fein 
Mar  dh'  iarras  eun  d'  a  chos  ; 
Am  fardaichean  'nan  saoghal-cetn, 
Gun  bhlath  'na  ghrein  do  'n  Deor, 
Gun  toman  fraoich  an  sin  e  thaobh, 
Gun  bhraon  a  ni  e  61 — 

An  ceol  tha  togaU  inntinn  chaich 

A'  giulan  d^-san  broin. 


Co  dh'  ionnsuidh  thig  mi  's  mi  fo  leon 

Aeh  dh'  ionnsuidh  Teo-Mhie  Dhe  ? 

Bha  Thus'  ad  dheoraidh  iomadh  bliadhn' 

Ag  iargain  fior-uisg  Neimh  ; 

Ad  ghairdean  sheunadh  mi  'na  m'  oig, 

Is  fhuair  mi  coir  do  threud — 

'S  ge  trie  bha  grainealachd  am  Ion, 
Tha  bias  do  phoig'  am  bheul. 


Ctim  teagasg  m'  oige  ghnath  fo  m'  shuil. 

Mar  shruthan-iuU  's  a'  cheo, 

Is  urnuighean  mo  shluaigh  am  cheum, 

A  reir  gaeh  feum  a  chr6  ; 

Biodh  gair  do  chuain  a  ehaoidh  am  chluais, 

'G  am  nuaUan  thun  do  Ghloir — 

Is  long  nam  miann  'g  am  fheitheamh 
siar, 

'S  an  llonadh  anns  an  6b. 


M^CORQUODALE 

CI.ASCOWV  LONDON 


Aireamh  7 


1940 


A'  Ghucag  shearbh 


Chuidich   gach  fear  a   choimhearsnach,   agus   thuhhairt   e   r'a  hhrathair,    Bi  misneachail. 

Isaiah  XLI.,  6. 


ANNS  na  IMthean  so,  ged  bhios  sinn  uile  an 
geall  air  an  naidheachd  mu  dheireadh  as  an 
Fhraing  fhaotainn  o'n  Radio  no  o'n  phaipear- 
naidlieachd,  chan  e  guth  an  Radio  no 
briathran  a'  phaipear-naidheachd  a  bhios  a' 
seinn  'n  ar  cluasan  agus  'n  ar  cridheachan  an 
uair  a  bhios  sinn  leinn  fhein,  ach  guth  a' 
Bhiobuill  agus  briathran  an  t-Salmadair  agus 
nam  f^idhean  ...  "Is  iad  mo  dheoir  as 
biadh  dhomh  a  1^  agus  a  dh'  oidhche,  an  uair 
a  theirear  rium,  C  ^ite  a  bheil  do  Dhia  ?  " 
...  "  Nochd  thu  do  d'  shluagh  nithean 
cruaidh  ;  thug  thu  oirnn  f ion  a'  bhuaireis 
51."  .  .  .  "  Dhearbh  thu  sinn  a  Dhe  's  an 
teine  mar  a  ghlanar  airgiod  ;  thug  thu  steach 
's  an  lion  sinn ;  chuir  thu  teine  air  ar 
leasraidh  ;  thug  thu  air  daoine  marcachd 
thar  ar  cinn  ;  chaidh  sinn  troimh  theine  agus 
troimh  uisge." 

Chan  'eil  teagamh  air  bith  nach  'eil 
breitheanas  Dhe  air  an  talamh  an  diugh. 
Is  e  so  aon  de  l^ithean  Mhic  an  duine  ; 
laithean  soluimte  agus  laithean  cunnartach  ; 
laithean  anns  a  bheil  e  air  a'  mheidh  co 
dhiubh  a  bheir  an  saoghal  leum  iir  air 
aghaidh,  no  thuiteas  e  air  ais  mile  bliadhna. 
Mar  sin  bu  choir  dhuinn  uUe  a  bhi  ag  iirnuigh 
gun  sgur  agus  ag  oibreachadh  gun  sgur,  ag 
^rnuigh  gu  'm  bi  Breatunn  onorach  agus 
uasal  a  thaobh  nan  riiintean  a  tha  aiee 
anns  a'  chogadh,  agus  gu  'm  bi  a  cridhe 
laidir  agus  misneachaU. 

"  Na  bitheadh  eagal  ort,  oir  tha  mise  maille 
riut ;  na  bitheadh  geilt  ort  oir  is  mise  do 
Dhia  ;  neartaichidh  mi  thu  ;  seadh  cuidichidh 
mi  thu  ;  seadh  cumaidh  mi  suas  thu  le  deas 
laimh  m'  fhireantachd."  Chan  fhaod  sinn 
an  gealladh  so  a  Facal  an  Tighearna  a  thagar 
dhuinn  fhein  mur  bheil  sinn  onorach  a 
thaobh  na  criche  a  tha  's  an  amharc  againn 
anns  a'  chogadh  ;  nach  e  fuath  no  farmad  ris 
a'  GhearmaUt  a  thug  oirnn  eirigh  'n  a  h- 
aghaidh,  ach  eud  air  son  ceartais,  agus 
corruich  an  aghaidh  an  lamhachais -laidir  a 
rinn  i  air  rioghachdan  beaga,  agus  a  bha  i  a' 
maoidheadh  air  a  h-uile  duthaich  a  bha  anns 
an  rathad  oirre. 

Tha  baigh  aig  a  h-uile  duine  ri  dhuthaich 
fhein,  ach  chan  e  a'  bhaigh  a  tha  againne  ri 
ar  diithaich  a  mhain  a  tha  toirt  oirnn  a 
chreidsinn  gu  bheil  sinn  a'  toirt  geiU  do  thoil 
agus  do  lagh  Dhe  ann  a  bhi  seasamh  an 


aghaidh  na  Gearmailte  ;  tha  coguis  an  t- 
saoghail  uile  'n  a  h-aghaidh,  agus  chan  'eil 
rioghachd  bheag  no  mhor  anns  an  t-saoghal 
nach  'eil  'ga  diteadh  ach  a  mhain  an 
fheadhainn  a  tha  ann  an  co-bheinn  rithe  anns 
an  olc.  Ged  tha  eagal  aca  roimhpe  tha  iad  a' 
deanamh  tkii  oirre  'n  an  cridhe. 

Mur  bheil  misneach  ri  fhaotainn  anns  na 
laithean  so  o  na  paipearan-naidheachd  cha 
ruig  thu  leas  a  bhi  gun  dochas  ma  leughas  tu 
am  Biobull,  gu  sonraichte  na  Sailm,  no  ma 
mheomhraicheas  tu  air  eachdraidh  an  t- 
saoghaU,  oir  tha  iad  le  cheile  a'  togail  fianuis 
nach  soirbhich  le  neach,  no  le  rioghachd,  no 
le  innleachd,  a  tha  dol  an  aghaidh  rioghachd 
Dhe.  Bha  na  faidhean  ann  an  Israel  agus 
na  naoimh  anns  a  h-uUe  linn  a'  creidsinn  sin 
eadhon  'nuair  a  bhiodh  ionghadh  orra  nach 
robh  Dia  a'  sgrios  an  aingidh.  Ach  tha 
faidhidinn  aig  Dia  agus  leigidh  e  leis  an 
aingidh  e  fein  a  sgrios.  Chuir  e  buadhan 
agus  cumhachdan  iocshlainteach  ann  am 
beatha  mhic  an  duine,  agus  ann  an  aoraibh 
a'  Chruthachaidh,  a  chuireas  casg  air  an  olc 
ri  uine  daonnan. 

B'  uaibhreach  agus  bu  laidir  Pharaoh,  agus 
Alasdair  Uaibhreach,  agus  Nebuchadnesar, 
agus  Napoleon,  daoine  a  mhaoidh  cuid 
mhaith  de  'n  t-saoghal  a  chur  fo  'n  casan, 
ach  chan  e  mhain  gu  robh  dubhan  air  a  chur 
'n  an  sroin,  agus  crioch  air  a  chur  air  an 
ardan  agus  air  an  lamhachas-laidir,  ach 
thionndaidh  Dia  an  t-olc  a  rinn  iad  chum 
buannachd  an  t-saoghaU.  Thuig  Hitler  gu 
maith  neart  agus  cumhachd  Czecko-Slovakia 
agus  Pholaind  agus  Bhelgium  agus  na 
h-Olaind,  ach  cha  do  thuig  e  neart  agus 
cumhachd  an  De  bheo,  no  neart  agus 
cumhachd  an  spioraid  a  tha  ann  an  daoine 
aig  a  bheU  gaol  air  ceartas,  agus  firinn,  agus 
saorsa.  Faodaidh  e  duthchannan  a  sgrios 
agus  cuirp  mhuilleanan  de  dhaoine  a  sgrios 
leis  na  h-innealan-marbhaidh  a  dhealbh  e 
agus  a  dh'  uUaich  e  air  son  a'  chogaidh  so, 
ach  mur  bris  e  spiorad  Bhreatuuin  bithidh  a 
shaothair  gun  tairbhe  dha,  ged  nach  bi  i  gun 
naire  dha.  Leighsidh  creuchdan  a'  chuirp  ri 
tiine  ma  dh'  fhanas  an  spiorad  beo. 

Chan  ann  le  caU  dhaoine,  no  le  call 
ghunnachan,  no  le  caU  acfhuinne,  a  mhiUear 
rioghachd,  ach  le  call  misnich.  Gun 
mhisneach,    no    gun    chreideamh    laidir    gu 


A'  GHUCAG  SHEARBH— AN  NAOMH  CIARAN 


bheil  Dia  leinn  a  ohionn  gu  bheil  sinn  a' 
seasamh  na  c6rach,  chan  urrainn  dhuinn 
teas  agus  uallach  a'  chogaidh  uamhasaich 
so  a  ghitilan.  Tha  laithean  cruaidh  air 
thoiseach  oirnn,  laithean  a  chuireas  dearbhadh 
air  ar  dUseachd  agus  air  ar  misnich  agus  air 
ar  seasmhachd.  Chan  'eil  teagamh  air  bith 
aig  daoine  a  nis  gur  ann  aig  a'  Ghearmailt  a 
tha  an  t-arm  as  l^idire  air  an  t-saoghal,  agus 
is  ciiis-eagail  an  t-arm  sin  a  bhi  ann  an 
laimh  agus  fo  ordugh  duine  anns  nach  'eU 
rian  no  coguis  ;  duine  nach  urrainnear  fhacal 
a  ehreidsinn  ;  duine  a  chuir  as  d'a  chompan- 
aich  fhein  mar  gu'n  cuireadh  e  as  do  radain  ; 
duine  aig  nach  'eil  ach  aon  fhreagairt  do  'n 
h-uUe  ceist  a  tha  ag  eirigh  ann  an  riaghladh 
an  t-saoghaU,  a  bhi  a'  maoidheadh  air 
rioghachd  air  bith  nach  seas  as  an  rathad 
agus  nach  leig  leis  a'  GhearmaUt  a  toil  fhein 
a  dheanamh  ;  agus  duine  aig  a  bheil  uiread 
grkia  air  Breatunn  's  nach  soradh  e  a  bheatha 


fh^in  agus  beatha  mhuilleanan  a  chall  air 
ghaol  lompaireachd  Bhreatuinn  a  le6n,  Tha 
fhios  aige  gu  maith  gur  e  Breatunn  an 
rioghachd  as  duUiche  dha  a  cheannsachadh, 
ach  tha  e  suidhichte  air  buUle-bhais  a  thoirt 
dhi. 

Bithidh  an  cogadh  fada  agus  fiadhaich, 
agus  faodaidh  e  ar  dorsan  a  ruighinn ; 
bithidh  am  biadh  gann  agus  theagamh 
connadh ;  bithidh  aig  daoine  ri  barrachd 
oibre  a  dheanamh  agus  bithidh  an  rioghachd 
na  's  bochda  aig  a  dheireadh,  ach  chan 
fhaodar  gearan  no  failneachadh,  oir  cha  b' 
fhiach  an  saoghal  a  bhi  beo  ann  na  'm 
faigheadh  Hitler  lamh-an-uachdar  oirnn. 

"  Bithibh  laidir  agus  bithibh  misneachail, 
na  bitheadh  eagal  agus  na  bitheadh  faitcheas 
oirbh  roimh  Asiria,  no  roimh  an  t-sluagh 
mhor  so  uUe  a  tha  maille  ris  ;  oir  is  mo  na 
tha  leinne  na  leis-san.  Leis-san  tha  g^irdean 
feola,  ach  leinne  tha  an  Tighearn  ar  Dia." 


An  Naomh  Ciaran 


Leis  an   Urramach  Calum  Mac  Gilleathain,  M.A.,  an  Tdisigheachd. 


DO  bhrigh  agus  gu'n  robh  Alba  fo  chomain 
mh6r  aig  Eirinn  air  son  nithean  tarbhach  's 
na  Unntean  eachdraidheU  agus,  gu  sonraichte, 
an  ni  so,  gur  ann  a  Eirinn  a  th^inig  roinn 
mh6r  de  na  daoine  a  chraobh-sgaoU  an  soisgeul 
air  tiis  an  Albainn,  daoine  m6ra  urramach 
naomh  mar  Calum  CiUe  a  bha  an  I  agus 
Maol-Rubha,  no  Mo  Ruibhe,  a  bha  air  a' 
Chomraich,  theagamh  nach  'eil  e  as  aite 
dhuinn  beagan  a  bhreacadh  sios  air  suidh- 
eachadh  na  h-Eaglaise  mh^thaireU  an 
Eirinn,  an  Eaglais  a  thug  an  soisgeul  do  na 
fir  sin  agus  a  thog  iad. 

Tha  daoine  an  Albainn  agus  an  uair  a 
bhitheas  iad  a'  seanchas  saoHidh  tu  orra  gu 
bheU  iad  an  dtiU  nach  robh  an  creideamh 
ceart  an  Albainn  gu  ruige  1893,  no  1843,  no 
1688,  no  1525.  Ach  bha,  agus  is  maith  agus 
is  br^agh  gu'n  robh. 

Bha  cuid  de  na  daoine  iomraiteach  a  bha 
's  an  Eaglais  GhMdhealaich,  anns  na  laithean 
a  leagadh  a  bunaitean  an  Eirinn,  de  shhochd 
nan   righrean.      Bha    Calum    CiUe    chan   e 
mh^in   uasal,    a   reir   na   feola,   ach   bha   e 
rioghaU.    Agus  bha  companaich  aige  eadhon 
's  a'  mheud  sin.    Ach  bha  feadhainn  eUe  ann 
agus  bha  iad  air  a  chaochladh  ;  agus,  buidh- 
eachas  do  Dhia,  is  e  aon  de  bheannachdan 
nan  gr^s  nach  'eil  "  saor  "  na  "  daor  "  an 
losa  Criosd.     Is  trie  a  sheinneadh  le  firinn 
an  rann  so  's  an  Eaglais  Ghaidhealaich, 
Togaidh  e  'n  deoiridh  truagh  o'n  dust 
'S  am  bochd  o'n  otraich  bhreun 
'G  an  cur  'n  an  suidhe  le  prionnsaibh  m6r 
Prionnsaibh  a  phobuUl  fein. 


Ged  nach  do  rugadh  Ciaran  mor  rugadh 
coir  glan  e.  Is  e  saor  a  bha  'n  a  athair. 
Ach  cha  robh  a  dhaoine  gun  fhios  aca  c6  bu 
daoine  dhaibh.  Is  iomadh  ni  ^raid  a  tha 
air  innseadh  o'n  t-seann  saoghal  sin.  So  a 
h-aon  aca.  Bha  athair  agus  mkthair  Chiarain 
a'  gabhaU  seachad,  an  carbad,  air  kite  's  an 
robh  seann  draoidh  dall.  "So,"  arsa  an 
daU,  "  fuaim  carbaid  's  a'  bheil  righ."  Rum 
a'  mhuinntir  a  bha  'n  a  chuideachd  g4ire 
fanoid,  agus  gun  ri  fhaicinn  ach  an  saor  agus 
a  bhean,  agus  fhreagair  an  daU,  "  Tha 
leanabh  's  a'  charbad  sin  a  shaoghalaichear 
agus  a  bhios  'n  a  righ  cumhachdach  ;  agus 
mar  a  tha  a'  ghealach  a'  soillseachadh  am 
measg  reultaibh  nan  neamhan  soillsichidh 
esan  leis  na  miorbhuilean  agus  na  h-iong- 
antais  nach  gabh  luaidh."  Chreideadh  na 
seann  daoine  Gkidhealach  a  leithid  sin,  agus 
mur  do  chaochail  iad  uile,  tha  iad  ann 
fhathast  a  chreideadh  e, 

Anns  an  sgoil. 

Rugadh  Ciaran  's  an  earrach  's  a'  bhhadhna 
coig  ceud  agus  a  coig  deug,  agus  chuireadh 
gle  thrkth  do'n  sgoil  e,  agus  tha  iomradh  is 
iomradh  eile  air  sin  an  Leabhar  Deadhainn 
Lios-mor.  An  uair  a  dh'  fhks  e  na  bu 
mhotha  chuireadh  gu  sgoil  eile  e  gu  Cluain 
Ard.  An  uair  a  bha  e  a'  fkgail  na  dachaidh  \ 
dh'  iarr  e  bo  air  athair  is  air  a  mhathair,  agus 
cha  d'fhuair.  Chaidh  e  do'n  bhathaich  agus 
bheannaioh  e  a  roghainn  de'n  chrodh,  agus 
lean  i  sin  e  gu  Cluain  Ard ;  agus  bha  de 
bhainne  aice  na  bu  leoir  do  mhuinntir  na 


AN  NAOMH  CIARAN 


sgoil  uile,  agus  an  uair  a  chailleadh  i  bha  a 
seiche  air  a  gleidheadh  gu  ciiramach  an 
Cluain  Ard. 

Chan  iarrainn  air  duine  a'  chuid  sin  a 
chreidsinn  ;  ach  tha  uinneag  bheag  againn 
's  an  naidheachd  trid  am  faic  sinn  an  seorsa 
saoghail  a  bha  aca  dheth  's  an  t-seann  aimsir 
an  Eirinn. 

A  reir  aithris,  thug  ceann  na  sgoile  gean 
m6r  do  Chiaran.  So  naidheachd  eUe  air 
an  sgoil.  Th^inig  sgoilear  bochd  gu  Cluain 
Ard,  agus  e  gun  airgiod  gun  mhaoin  gun 
leabhar,  agus  dh'iarr  e  iasad  air  c^ch  agus 
dhiult  iad  e  gus  na  rainig  e  Ciaran.  Bha 
Ciaran  's  an  am  a'  leughadh  an  t-soisgeU 
a  reir  Mhata  VII.  12,  "uime  sin  gach  uUe 
ni  bu  mhiann  leibh  daoine  a  dheanamh 
dhuibh-se  deanaibh-se  a  leithid  dhaibh-san 
mar  an  ceudna  :  oir  is  e  so  an  lagh  agus  na 
faidhean ;  "  agus  thug  Ciaran  da  an  leabhar. 
An  la  'r-na-mh^ireach  cha  robh  ach  leth  an 
leabhair  aige  air  fhoghlum  agus  thug  na 
h-6ganaich  eile  "  Ciaran  Leth-Mhata  "  air. 
"  M  h-e  leth-Mhata,"  arsa  Ciaran,  "  ach 
Ciaran  leth-Eireann  oir  aige-san  a  mhain  bidh 
dara  leth  Eireann ;  agus  cha  bhi  ach  an 
leth  eile  agaibh  gu  leir !  " 

An  uair  a  dh'fhag  Ciaran  Cluain  Ard  bha 
ceum  ard  aige  air  a  thoirt  a  mach  's  an 
eaglais,  agus  chaidh  e  cuairt  air  muinntirean 
eile  bha  ainmeil  an  Eirinn.  Chaidh  e  gu 
EUeanan  Arann,  agus  gu  ^iteachan  iomallach 
eUe,  ach  gu  luath  roghnaich  e  maghan  m6ra 
l^r  na  h-Eireann.  'S  an  dara  ^ite  a  shuidhich 
e  dh'fhan  e  corr  is  tri  bUadhna,  ach  air  do 
Dhonnan  tighinn,  is  e  a'  sireadh  baile  air 
son  seirbhis  Dhe,  dh'fhag  Ciaran  am  baUe 
sin,  Innis  Aingin,  aige  agus  thog  e  fhein  air 
gu  Aird  Mhanntain,  aite  a  bha  cho  ion- 
mhiannaichte  agus  gu'n  do  ghabh  Ciaran 
eagal  gu'n  deanadh  a  mhaitheas  a  cheangal 
ro  dhliith  ris  an  t-saoghal.  Dh'fhag  e  Aird 
Mhanntain  agus  stad  e  aig  Cluain  Mac  Nois, 
^ite  farsuinn  fasail,  agus  thog  e  a  theintein 
air  cnocan  air  an  robh  Ard  Tiprait,  no  Aird 
an  Tobair,  an  tus  na  bhadhna  548.  A  reir 
an  t-seanchais,  chuidich  gaisgeach  a  bha 
gabhail  an  rathaid  Ciaran  's  e  cur  suas  puist 
a  thighe  ('s  e  tighean  fiodha  bha  's  an  fhasan 
an  uair  ud)  agus  gheaU  Ciaran  righ-chathair 
na  h-Eireann  dha  agus,  ma's  fior,  b'e 
Diarmad  Mac  CearbhaUl  an  duine,  agus  bha 
e  'n  a  righ  an  Teamhair  ceithir  bliadhna 
deug. 

An  abhainn  mhor. 

An  uair  a  thoisicheadh  leithid  Chiarain  air 
baUe  a  dheanamh  air  son  Dhe  agus  an  t- 
soisgeil  bha  nithean  ^raidh  a'  gabhail  aite. 
Air  tus,  mar  so,  bha  e  a'  roghnachadh  kite 


air  son  baUe.  Tha  e  soilleir  nach  b'  ann  gun 
sealltainn  geur  air  aite  a  dheante  an  taghadh, 
agus  lom  agus  gun  moran  maise  do'n  t-stiU 
agus  mar  a  bha  Cluaiu  Mac  Nois  bha  nithean 
'n  a  f habhar.  Bha  e  dltith  air  bruaichean  na 
Sionainn,  an  abhainn  mhor  a  tha  'n  a  slighe 
uisge  air  feadh  earrainn  mh6r  de  Eirinn. 
Tha  slighe  's  an  abhainn  ;  agus  tha  iasg  's  an 
abhainn.  Agus  tha  feurach  agus  Mteach  gu 
leoir  's  a'  chearnaidh ;  agus  chan  'eU  an 
t-^ite  gun  tarruinn  ann,  tha  ni  eigin  de 
bheannachd  an  t-samhchair  gu  pailt  ann  ; 
agus  rud  eile  a  tha  comhnadh  Dhiarmaid  a' 
cur  'n  ar  tuigse,  bha  an  cumhachd  tahnhaidh 
'n  a  fhabhar  ;  agus  rud  eile  tha  againn  o  na 
h-ainmeannan,  cha  robh  an  t-^ite  gun  chliti 
o  shean.  Cha  b'  ann  idir  a'  seachnadh  seann 
laraichean  phaganach  a  bhiodh  leithid 
Chiarain  ach  'g  an  sireadh  agus  'g  an  ath- 
thogail  a  chum  gloir  Chriosd. 

Rud  eile  bhiodh  fior,  cha  bhiodh  leithid 
Chiarain  'n  a  aonar.  An  uair  a  thainig  Calum 
CUle  gu  Alba  bha  "  a  mhuinntir  "  cuide  ris, 
na  daoine  taghta  bha  comhla  ris  mar  theagh- 
lach  Dhe,  daoine  diadhaidh  agus  daoine 
fiosrach  de  gach  seorsa  a  b'  urrainn  cosnadh 
agus  saoithreachadh,  air  ball  agus  a  chaoidh, 
mar  gu'm  biodh  daoine  a  bhiodh  a'  bristeadh 
talamh  ur. 

Cha  bhiodh  a'  mhuinntir  sonraichte  mor 
air  tus,  ach  bhiodh  iad  sonraichte  taghta, 
agus  bhiodh  so  aca  am  measg  gach  buaidh  is 
ealainn,  bha  iad  de  'n  aon  inntinn  agus  de  'n 
aon  spiorad  ris  an  duine  bha  'n  a  cheann  orra. 
Agus  so  cuid  de  na  daoine  a  bha  de  mhuinntir 
Chiarain  an  uair  a  shuidhich  e  baUe  air 
Cluain  Mac  Nois ;  Oengus,  Mac  Nisse ;  Cael- 
Colomb ;  Mo  Beoc ;  Mo  Lioc ;  Lugna  mac  na 
h-ui  Moga  Laim;  agus  Colman  mac  Nuin. 
Chuir  iad  sin  agus  each  tus  air  an  obair  agus 
thog  iad  bratach  air  son  na  firinne.  Thog 
iad  ^ite  aoraidh,  caibeal  beag  cloiche  de'n 
mheudachd  agus  de'n  togaU  a  bha  air  an 
seann  teampuUl,  na  seann  chaibeU,  agus  na 
seann  chillean,  a  bha  uair-eigLu  an  deidh  sin 
cho  lionmhor  anns  gach  4ite  's  an  robh  an 
cinneadh  Gaidhealach. 

B^s  Chiarain. 

Cha  robh  Ciaran  buan.  Chaochail  e  an 
Cluain  Mac  Nois  mu'n  d'thainig  ceann  na 
bhadhna,  aig  aois  tri  bliadhna  deug  thar 
fhichead.  Dh'fh^s  e  fann  la  's  an  eaglais 
bhig  ud,  agus  thug  e  orra  a  ghitilan  a  mach, 
agus  chairich  iad  air  a  dhruim-direach  e  air 
a'  bhlar  amuigh.  An  sin  labhair  e  air 
uamhann  a'  ch^is  's  an  robh  e,  agus  an  t-sHghe 
a  nis  roimhe,  ach  arsa  esan,  "  esan  a  bhuan- 
aicheas  a  chum  na  criche  te^rnar  e."    Thug 


AN  NAOMH  CIARAN— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


iad  an  sin  air  ais  do'n  eaglais  e.    An  sin  thog 
e  a  lamh  'g  am  beannachadh  agus  chaochail  e. 

Chan  'eil  an  eachdraidh  sin  mor.  Tha 
beagan  eile  ri  aithris  mu  Chiaran,  ach  chan 
'eil  moran'.  Gidheadh  dh'fhag  Ciaran  cliu 
ni6r  'n  a  dheidh.  Agus  faodaidh  sinn  a  bhi 
cronteach  gu'n  robh  aobhair  air.  Ma  tha 
cuid  de  na  naidheachdan  do-chreidsinn  tha 
eolas,  beag  no  mor,  anns  gach  sgeul.  Feuch 
mar  a  tha  'n  draoidh  an  sud,  agus  e  'n  a 
fhiosaiche  ;  agus  feuch  mar  a  tha  buaidh  sin 
an  fhiosaiche  aig  Ciaran  e  fhein,  ged  is  fior 
Chriosduidh  e  ;  agus  feuch  mar  a  lean  sin  ris 
na  GaidheU,  eadhon  gu  ruige  ar  la  fein,  agus 
gach  saoidh  is  Criosduidh  mor  'n  a  dhraoidh 
's  'n  a  fhiosaiche.  Tha  againn  a  ris  rainn  a 
rinn  ceann  na  sgoile,  an  Criosduidh,  au' 
Ciaran  a'  feuchainn  duinn  gu'n  do  thaobh 
an  Eaglais  Ghaidhealach  an  fhUidheachd 
agus  gu'n  robh  cHti  an  fhihdh  'n  a  ni  ris  nach 
cuireadh  ceann  's  an  eaglais  cul.  Agus  bha 
Colum  Cille  e  fhein  mar  sin.  Is  e  chi  sinn  a' 
Chriosdalachd  a'  comhdach  na  tke  ach  a' 
glacadh  chuice  fein  gach  ni  maith  agus 
tarbhach,  agus  gach  oilean  a  bha  cheana  's 
an  tir,  oir  paganach  agus  mar  a  bha  na 
Gaidheil  cha  robh  iad  gun  adhartas  agus  gun 
nithean  a  ghabhadh  an  aite  maith  fein  eadhon 
am  measg  Chriosduidhean.  Feuchamaid  a 
ris  air  an  dachaidh  aig  Ciaran ;  athair  a 
meadhon  na  tire  agus  a  mhathatr  a  ceann-a- 
deas  na  tire  ;  athair  'n  a  shaor,  ach  e  cho 
inbheach  agus  gu'n  robh  a  chapuU  's  a 
charbad  fein  aige  (paUt  na's  fhearr  dheth 
mar  sin  na  fear  aig  a  bheil  motor-c^r  a  nis), 


agus  a  bhuaUe  fein  aige,  agus  comas  aige  a 
mhac  a  chur  gu  sgoil  gun  eis.  Feuch  a  ris  an 
gaisgeach  a'  coinneachadh  ri  pearsa  eaglais 
agus  iad  a'  togail  aitreabh  le  cheile ;  agus 
feuch  an  ainmeannan  nan  daoine  comharra  air 
teaghUchean  anns  an  robh  parantan  CriosdaU, 
agus  comharran  eUe  gu'n  robh  daoitie  f  hathast 
an  Eirinn  nach  robh  fo  bhuaidh  an  t-soisgeU. 
Is  e  fear  a  dh'iompaich  Ciaran,  is  e  'n  a 
oganach  paganach  an  Innis  Ainginn,  a  ghabh 
aite  Chiarain,  mar  Aba,  an  Cluain  Mac  Nois 
an  uair  a  chaochail  Ciaran. 

Eud  nan  Criosduidhean. 

Rud  eUe  tha  's  an  eachdraidh,  eud  nan 
Criosduidhean  an  Eirinn.  Bha  ceathrar 
bhr^ithrean  aig  Ciaran  agus  bha  triuir 
pheathraichean  aige  agus  chaidh  an  coisrig- 
eadh  do'n  eaglais  gu  h-iomlan  ach  a  h-aon 
a  phos,  agus  bha  ise  i  fhein  iomraiteach  an 
deireadh  a  latha  mar  bhantraich  dhiadhaidh. 
Rud  eile  a  tha  airidh  air  suil  's  an  eachdraidh 
ainmeannan  nan  daoine.  Is  ann  air  dathan, 
is  docha  dath  an  fhuilt,  a  bha  cuid  de  na 
Gaidheil  air  an  ainmeachadh  an  uair  a 
thainig  a'  Chriosdalachd  gu  freumhachadh,  i 
Ciaran,  Donnan,  Gorman  (sin  o'n  t-stiil  is  1 
docha).  ^ 

Cha  tug  Ciaran  bUadhna  iomlan  an  Cluain 
Mac  Nois  ;  ach  sheas  Cluain  Mac  Nois  mile 
bliadhna,  fo  bhuaidh  agus  fo  chUu,  agus  is  e 
meud  cliu  an  aite  a  dh'fhag  ainm  Chiarain 
cho  mor  agus  a  tha  e,  oir  is  e  Ciaran  a  las  an 
solus  an  Cluain  Mac  Nois,  agus  dh'fh^s  an 
solus  sin  anabarrach  mor. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  uair  a  shiubhaU  UiUeam  Leishman  a  bha 
'n  a  thuathanach  an  Leacamas,  an  CiQe- 
sgumain,  thug  a  nighean  dhomh  bocsa  mor 
a  bha  Ikn  de  leabhraichean-sgriobhaidh  anns 
am  b'  abhaist  dha  a  bhi  cur  sios  gach  rud 
mu'n  fhearann  a  bu  mhaith  leis  a  chumail  air 
chuimhne  ;  na  prisean  a  bhiodh  e  a'  faotainn 
air  beathaichean  ;  an  todhar  a  bhiodh  e  a' 
cur  air  na  h-achaidhean,  bhadhna  an  deidh 
bliadhna  ;  an  obair  a  bha  dol  air  aghaidh  o 
Ik  gu  la  air  an  fhearann,  agus  fichead  rud  eUe 
de  'n  t-seorsa  sin,  air  am  maith  leis  a  h-uUe 
tuathanach  ctiramach  cunntas  a  ghleidheadh. 

Anns  a'  chuid  mh6r  de  na  leabhraichean 
cha  robh  dad  ach  prisean  cruidh  agus 
chaorach  ;  tuarasdal  ghiUean  ;  an  guano  agus 
an  t-aol  a  bhiodh  e  a'  faotainn  a  Grianaig  ; 
agus  treathlaich  eile  mar  sin.  Ach  an 
deireadh  a  l^ithean  bhiodh  UUleam  Leishman 
a'  cur  sios  'n  a  leabhar-la  a  smuaintean  agus 


fhaireachduinean  mu  chursa  a  bheatha  fein, 
mu  Dhia  agus  mu'n  t-saoghal,  mu'n  eaglais 
agus  mu  dhiadhaidheachd,  agus  mu  iomadh 
rud  eUe  a  bhuineas  do  bheatha  mhic  an 
duine,  agus  bu  mhaith  leamsa  cuid  de  na 
smuaintean  agus  na  beachdan  a  chuir  e  sios 
anns  na  leabhraichean-sgriobhaidh  ud  a 
thoirt  am  foUais  air  na  duiUeagan  so,  an 
dochas  nach  sgithich  iad  an  luchd-leughaidh. 
Tha  mi  an  duU  gur  e  so  a  bha  's  an  amharc 
aig  nighean  Uilleam  Leishman  an  uair  a 
thug  i  dhomh  am  bocsa. 

Ach  an  toiseach  bu  mhaith  leam  beagan 
innseadh  mu  UiUeam  Leishman,  a  bha  'n  a 
righ  am  measg  thuathanach  agus  'n  a  dhuine 
sonraichte  an  iomadh  doigh  eile. 

Thainig  a  sheanair,  Amos  Leishman,  o'n 
chrich  Shasunnaich  an  1802  gu  bhi  'n  a 
chiobair  aig  Tomas  Elliot,  aig  an  robh  c6ig 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


bailtean-fearainn  ann  an  tri  siorramachdan, 
air  an  stocachadh  le  caoraich-mhaola.  Bha 
Amos  Leishman  'n  a  dhuine  glic  agus  'n  a 
dhuine  dichiollach,  aig  an  robh  bean  a  bha 
cho  glic  agus  cho  dichiollach  ris  fhein  ;  an 
uair  a  thog  e  a  theaghlach  ghabh  e  dha  fhein 
agus  d'a  thriuir  mhac  a  dh'  fhan  aig  an  tigh 
comhla  ris  Leacamas,  an  Cille-sgumain.  Cha 
robh  ann  an  Leacamas  aig  an  am  ud  ach 
baile  beag  agus  baile  bochd,  ach  thug  an 
oighreachd  cead  do  Amos  Leishman  uiread 
agus  a  thoihcheadh  e  de'n  fhearann  fhliuch 
agus  chlachach  a  bha  timchioll  air  a  thoirt  a 
steach.  An  uair  a  thoisich  na  Goill  air 
creagan  a  sgoltadh  agus  air  clachan  a  thoirt 
an  uachdar  le  geimhleagan,  ag  oibreachadh 
o  mhoch  gu  dubh,  fliuch  no  tioram,  fad  na 
bliadhna,  bhiodh  muinntir  Chille-sgiimain  a' 
magadh  orra  agus  ag  radh  'n  am  measg 
fhein  nach  b'  fhearr  iad  na  na  famhan- 
thahnhainn.  Ach  coma  leat,  b'  aithne  do  na 
Leishmanaich  an  gnothuch,  agus  ann  an 
deich  bliadhna  fichead  bha  Leacamas  air  a 
chunntas  mar  aon  de  na  bailtean-fearainn  a 
b'  fhearr  anns  a'  Ghaidhealtachd.  Thiormaich 
iad  an  talamh-aitich  agus  am  monadh  le 
pioban-uisge  agus  digean  ;  thog  iad  miltean 
de  gharraidhean  leis  na  clachan  a  thug  iad 
as  an  talamh  ;  far  nach  robh  aon  uair  ach 
luachair  agus  rainneach  agus  fraoch  bha  a 
nis  coirce  agus  bunt^ta  agus  tiiirneap  a'  fas  ; 
th^inig  Leacamas  fo  bhl^th  mar  an  ros  le 
obair  Amois  Leishman  agus  a  mhic. 

Bha  am  bailHdh  cho  toilichte  leis  an 
atharrachadh  a  rinn  iad  air  an  ^ite  's  gu'n 
tug  e  dhaibh  a  h-uile  crioman  fearainn  a  bha 
mu  reir  an  crich  ris  a'  bhaile  gus  mu  dheireadh 
an  robh  Leacamas  'n  a  bhaile  mor  a  thuilleadh 
air  a  bhi  'n  a  bhaile  maith. 

Shiubhail  Amos  Leishman  ann  an  1853  ; 
chan  'eil  facal  de  na  thubhairt  e  riamh  air 
chuimhne  an  diugh  ach  an  aon  fhacal  so, 
"  nach  e  peirceall  na  caorach  a  chuir  an 
crann  air  an  sp^rr  anns  a'  Ghaidhealtachd  idir 
ach  an  leisg."  Tha  na  garraidhean-chlach  a 
thog  e  fhein  'n  an  seasamh  an  diugh  fhathast 
cho  dionghmhalta  's  a  bha  iad  an  la  a  chuir 
e  a'  chlach-mhullaich  orra. 

An  deidh  a  bhais  phos  am  fear  bu  shine 
d'a  mhic,  Uilleam,  ach  cha  do  rinn  sin 
atharrachadh  air  bith  air  beatha  na  dithis 
eile  ;  dh'  fhan  iad  ann  an  tigh  an  athar 
comhla  ri  'm  brathair  agus  ri  mhnaoi,  is 
bha  iad  cho  laghach  rithe  agus  cho  furanach 
rithe  ri  Uilleam  fhein.  Ach  ma  bha  ceann 
ur  air  an  tigh,  agus  ma  's  e  ainm  Uilleam  a 
bha  anns  an  rinnteal,  bha  obair  a'  bhaile  a' 
dol  air  aghaidh  mar  b'^bhaist,  is  bha  a  dha 


bhrathair  na  bu  deine  air  obair  na  bha  iad 
riamh.  Bha  Uilleam  'n  a  dhuine  aig  an 
robh  inntinn  fharsuing ;  beachdail  agus 
sgileil  am  measg  stuic,  agus  suas  ri  ghnothuch 
ann  am  malairt ;  agus  eadar  sin  agus  gu 
robh  obair  a'  bhaile  air  a  cumail  air  aghaidh 
leis  an  dithis  eile  gun  stad,  bha  Leacamas  aig 
airde  a  chHti  agus  a  thorachais  mu  na 
bliadhnachan  1860-1878.  'N  a  dheidh  sin 
cha  robh  na  timeannan  cho  maith,  agus  cha 
mho  a  bha  an  da  bhrathair  a  chuir  dreach 
agus  coltas  air  a'  bhaile  le  'n  obair  cho 
comasach  air  obair  a  dheanamh. 

Cha  robh  aig  Uilleam  ach  aon  mhac,  mac 
air  an  robh  ainm  fhein,  agus  is  ann  airsan  a 
tha  mo  naidheachd.  Bha  e  'n  a  sgoilear 
maith  ;  an  Oilthigh  Dhim-eideann  fhuair  e 
M.A.  leis  an  urram  as  ^irde,  agus  bha  athair 
agus  br^ithrean- athar  an  geaU  air  gu'n 
gabhadh  e  os  l^imh  dreuchd  na  ministreal- 
achd  ann  an  eaglais  na  h-Alba.  Ach 
thubhairt  Uilleam  6g  riu  nach  robh  gairm  na 
ministrealachd  aige  o  Dhia,  no  'n  a  chridhe 
fhein,  ach  gu  robh  gaol  aige  air  a  h-uile  ploc 
de  Leacamas  far  an  do  rugadh  e  agus  far 
an  do  shaothraich  a  shinnsear,  agus  mar  sin 
gu  'n  robh  e  a'  cur  roimhe  a  bhi  'n  a 
thuathanach. 

Is  ann  mar  sin  a  bha  ;  ghabh  an  t-ogha 
aonta  iir  ann  an  1874  air  a'  bhaile  anns  an 
do  thoisich  a  sheanair  air  tuathanachd  an 
1822,  agus  bha  e  ann  gus  an  do  shiubhail  e 
an  1922.  Mar  sin  bha  Leishmanaich  ann  an 
Leacamas  ceud  bhadhna ;  an  seanair,  an 
t-athair,  agus  am  mac ;  tri  ginealan  de 
dhaoine  l^idir  anns  nach  robh  boinne  de  'n 
leisg.  "  Ma  chi  thu  neach  a  bhios  ealamh 
'n  a  ghnothuch  seasaidh  e  an  lathair  righ- 
rean."  Le  eanchainn  agus  le  obair  rinn 
na  daoine  ud  baile  maith  de  bhaile  bochd, 
agus  gus  an  la  mu  dheireadh  a  bha  iad  ann 
chomharraicheadh  tu  Leacamas  air  a  dhath 
aig  astar  mhiltean.  Ach  chan  'eil  am  fear 
a  thainig  'n  an  deidh  a'  cur  croinn  anns  an 
talamh ;  chuir  e  caoraich  air  an  talamh- 
aitich,  agus  ged  nach  'eil  e  fhathast  fichead 
bhadhna  ann  tha  am  feur  a  bha  gorm  agus 
goirid  air  ciaradh  agus  air  fas  glas,  agus  tha 
an  rainneach  agus  an  coinean  a'  togail  an 
cinn  a  ris.  Ged  a  rinn  na  Leishmanaich 
airgiod  agus  beoshlaint  mhaith  ann  an 
Leacamas  cha  robh  motor-car  aig  gin  dhiubh, 
ach  bha  geimhleagan  aca  ;  chan  'eil  a  leithid 
a  dh'  inneal  agus  geimhleag  aig  an  tuathanach 
a  tha  ann  an  diugh,  ach  tha  motor-car  aige, 
anns  an  bi  e  reiseadh  o  choinneamh  gu 
coinneamh,  o  Pheairt  gu  lonar-nis,  ag 
iarraidh  air  luchd-riaghlaidh  na  dilthcha  an 
rainneach  a  ghearradh  air  a  shon. 


6 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Mar  thuathanach  bha  Uilleam  Leishman, 
M.A.,  (an  t-ogha)  a  cheart  cho  maith  ri 
athair  no  ri  sheanair,  agus  theagamh 
na  b'  fhe^rr,  oir  rachadh  aige  air 
sealltainn  roitnhe  na  b'  fhaide  na  rachadh 
acasan,  agus  bha  e  daonnan  deas  air  a 
dhoighean-tuathanachais  atharrachadh  a  reir 
nan  timeannan.  Mar  sin  chaidh  aige  air  a 
cheann  a  chumaU  an  uachdar  anns  na  droch 
bhhadhnachan  (1879-1889)  a  chuir  ceann- 
criche  air  ni6ran  thuathanach  eUe. 

Ged  nach  gabhadh  e  dreuchd  na  ministreal- 
achd  OS  laimh  bha  e  'n  a  fhoirbheach  ann  an 
eaglais  Chille-sgumain  suas  ri  leth-cheud 
bhadhna,  is  thug  a  chHii  agus  a  dhiadhaidh- 
eachd  agus  a  ghUocas  tighdarras  dha  anns 
an  sgireachd  nach  robh  aig  duine  air  bith 
eile.  Bha  e  'n  a  dhuine  gaolach  gu  nadurra, 
ach  a  mach  o  'n  ghaol  a  bha  aige  air  a 
theaghlach  b'e  an  gaol  a  bha  aige  air 
Leacamas  agus  air  tiir  agus  aileadh  na 
talmhainn  an  gaol  a  bu  IMdrre  'n  a  chridhe. 

Uair  a  ghoirtich  e  a  chas  anns  an  f  hoghar 
agus  nach  b'  urrainn  dha  a  sheomar  fhagaU 
sgriobh  e  mar  so  'n  a  leabhar-sgriobhaidh, — 

"  Ged  nach  fhaod  mi  gluasad  as  an  t-seomar- 
chadail  so  tha  sealladh  agam  fad  an  la  air  na 
h-achaidhean  buana,  agus  chi  mi  fada  bhuam 
mar  tha  an  obair  a'  dol  air  aghaidh.  A  bheil 
fuaim  eile  anns  an  t-saoghal  as  ceolmhoire  ann  an 
cluae  tuathanaich  na  fuaim  chlis  nan  sgeanan- 
ghearraidh  an  uair  a  bhios  an  inneal-bhuana  ag 
oibreachadh  air  ghleus  maith,  no  sealladh  eile  anns 
an  t-saoghal  as  b6idhche  na  bhi  a'  faicinn  nan 
diasan  abuich  a'  tuitean  roimh  na  sgeanan,  agus 
an  ath  mhionaid  air  an  ceangal  gu  teann  ann  an 
sguaib !  Chan  'eil  raidh  anns  a'  bhliadhna  cho 
togarrach  ri  raidh  an  fhoghair,  no  obair  eile  anns 
an  cuir  e  lamh  a  bheir  uiread  toileachaidh  do  'n 
tuathanach  ri  bhi  faicinn  sguaban  buidhe  troma 
air  an  cur  'n  an  seasamh  air  an  achadh  air  latha 
ciiiin  grianach,  agus  na  h-adagan  tiugh  agus  'n  an 
seasamh  ann  an  sreathan  direach.  Ged  a  bhios  mi 
daonnan  toilichte  ma  gheibh  mi  am  feur  cruinnichte 
gun  uisge,  a  chionn  gu  bheil  fhios  agam  gu'n  dean 
fras  uisge  barrachd  cron  air  feur  na  ni  i  air  coirce, 
tha  cruinneachadh  an  arbhair  a'  toirt  barrachd 
toileachaidh  dhomh  a  h-uile  bliadhna  na  cruinn- 
eachadh an  fhe6ir.  Theagamh  gur  e  aobhar  an 
toileachaidh  so  gu  bheil  ni-eigin  'n  am  chridhe  ag 
innseadh  dhomh  gur  e  an  siol  a  tha  fas  as  an 
talamh  biadh  nadurra  mhic  an  duine.  Ged  tha 
aobhar  aig  an  tuathanach  air  a  bhi  trom  'n  a 
inntinn  barrachd  laithean  anns  a'  bhliadhna  na 
tha  aig  daoine  eUe  tha  sonas  aige  air  laithean  eile 
nach  aithne  dhaibhsan,  agus  chan  'eil  am  de  'n 
bhliadhna  cho  togarrach  no  cho  sona  ri  feasgatr 
mhaith  anns  an  fhoghar  air  achadh-buana.  Tha 
dath  air  a'  ghrein  fhein  agus  caomhalachd  anns 
an  t-solus  nach  fhaicear  aig  am  eile.  Go  ach  duine 
gun  chiaU  a  bhiodh  'n  a  fhear-lagha  no  'n 
a  chleireach  na  'm  faodadh  e  a  bhi  'n  a 
thuathanach  ?  " 


Phos  Uilleam  Leishman  te  a  bha  ceum  os 
a  chionn,  ach  air  a  shon  sin  bha  am  posadh 
sona.  Am  bitheantas  tha  e  glic  do  dhaoine 
gun  dol  fada  os  an  cionn  no  fad  fodhpa, 
ach  tha  mi  an  duil,  ma  ni  duine  roghainn  a 
mach  as  a  sheorsa  fein,  gur  fhe^rr  dha  dol 
suas  na  dol  sios,  a  chionn  nach  'eil  e  cho 
furasda  do  bhoirionnaich  an  craicionn  ath- 
arrachaidh  's  a  tha  e  do  fhir,  agus  is  e 
sreath  no  class  na  mnatha  sreath  an  tighe 
agus  an  teaghlaich  uUe  air  a'  cheann  mu 
dheireadh. 

Bha  ochdnar  de  theaghlach  aca,  tritiir 
mhac  agus  coignear  nighean,  ach  bha  e  'n 
a  chrois  agus  'n  a  charraid  d'  an  athair  nach 
robh  gaol  an  fhearainn  ann  an  cridhe  gin 
dhiubh.  'N  a  sheann  aois,  an  deidh  bks  a 
mhnatha,  agus  gun  comhla  ris  ach  an  aon 
nighean  a  dh'  fhan  gun  phosadh,  sgriobh 
e  so  ann  am  fear  de  na  leabhraich- 
ean-sgriobhaidh  a  bha  anns  a'  bhocsa. — 

"  Chuir  a  h-iule   aon  de  m'   theaghlach  litir- 

ghaoil  chugam  aig  an  NoUaig,  ach  tha  iad  sgapte  air 

feadh  an  t-saoghaU  is  tha  mise  agus  Se6naid  gu 

maith  onrachdach  leinn  fh6in,  ag  ionndrainn  am 

mathar.    Th^inig  naidheachd  mhaith  bhuapa  uile, 

agus  tha  iad  uile  a'  faotainn  air  an  aghaidh  anns 

an  t-saoghal ;  Amos  'n  a  cheann  air  banca  ann  an 

China ;  Ailean  'n  a  Bhrigadier  anns  an  arm  anns 

na  h-Innsibh  an  Ear ;   Iain  'n  a  Ch6irneal  air 

r^iseamaid  anns  an  Eiphit ;  ach  air  a  shon  sin  tha 

e  a'  goirteachadh  mo  chridhe  nach  'eil  aon  aca 

toUeach  fuireach  ann  an  Leacamas  an  uair  a  thig 

crioch  ormsa.     Tha  ionghnadh  mor  orm  gu  'm 

biodh  tarruing   cho   beag  aig  Leacamas  air  mo 

theaghlach  agus  uiread  gaoil  agam  fh^in  air,  ach 

tha    amharus    agam   gur   e    an   t-aobhar   gu    'n 

deachaidh    iad    uile    ri    cuideachd    am    mathar. 

Bha  am  mathair  o  dhaoine  nach  do  rinn  riamh 

dad    ach    saighdearachd,    no     comanndaireachd 

ann  an  soithichean-cogaidh,  no  seirbhis  do  'n  righ 

anns  na  duthchannan  thall,  agus  mar  sin  is  beag 

aig  mo  mhic  am  baUe-fearainn  so  ann  an  CiUe- 

sgumain,  a  tha  mar  ubhal  mo  chridhe  dhomhsa, 

an  coimeas  ri  fuaim  na  druma  agus  iomairt  nan 

lann.     Ach  tha  fuU  chiobairean  annam-sa  aguS 

gaol    na    talmhainn,    agus    b'    fhearr    learn    aon 

fheasgar  a'   dol  mu   'n  cuairt  gu  socrach  learn 

fh^in  air  an  h-achaidhean  a  r6itich  agus  a  thug 

mo    sheanair   agus    m'    athair    agus    braithrean- 

m'athar  a  steach  o'n  t-sliabh  le  geimhleagan  agus 

neart  an  gairdeana  na  bhi  'n  am  chomanndair  as 

airde  aig  an  righ.     Chan  'eil  ploc  no  clach  no 

oisean  no  iomaire  ann  an  Leacamas,  no  ctiil  no 

sedmar  anns  an  tigh,  no  anns  na  saibhlean,  nach 

aithne  dhomh  agus  air  nach  'eil  gaol  agam,  a 

chionn  gur  e  lamhan  mo  dhaoine  fhein  a  rinn  iad 

agus  a  thug  cumadh  dhaibh,  agus  tha  mulad  orm 

nach  urrainn  mi  innseadh  do  m'  mhic  (a  chionn 

nach  tuigeadh  iad  e)  gu  'n  tuit  Leacamas  ann 

am  beagan  iiine  air  coigreach  air  chor-eigin  aig 

nach  bi  sutm  air  bith  arm  ach  a  mhain  an  smior 

agus  an  siigh  a  chuir  mo  sheanair  agus  m'  athair 

agus  mise  ann  a  thoirt  as  cho  luath  's  is  mrainn 

dha."  .  ,  .      , 

(Bi  kantmnn.) 


Aig  an  Uinneig 


Caschemu  nam  bkrd. 

SIN  an  t-ainn  a  thug  Lachlann  Mac- 
Fhionghuin,  M.A.,  a  tha  a'  teagasg  ann  an 
sgoil  a'  Ghearasdain,  do  leabhar  beag  cuimir 
anns  an  do  chruinnich  e  a  iomadh  ce^rn  agus 
o  iomadh  linn  b^rdachd  mhaith  Gh^idhHg  a 
bhios  freagarrach  do  sgoilearan  a  tha  ag 
ionnsachadh  G^idhlig  ;  orain  de  gach  seorsa 
agus  gun  ghin  ann  nach  gabh  seinn. 

Tha  e  ag  innseadh  c6  rinn  iad,  agus  a' 
toirt  cunntas  goirid  air  an  fheadhainn  a  rian 
iad,  ach  tha  cuid  mhaith  dhiubh  "  gun 
urraion,"  agus  chan  e  idir  an  fheadhainn  as 
miosa  ach  cuid  de  'n  fheadhainn  as  fhearr. 

Tha  Faclair  aig  deireadh  an  leabhair  anns 
a  bheil  ochd  fichead  's  a  deich  taobh-duUleig 
uUe  gu  leir.  Chan  'eil  fhios  agam  ciod  a  tha 
e  a'  cosd,  ach  shaoihnn  gu  'm  biodh  a'  phris 
mu  leth-chrtin  ;  is  tha  e  cho  aotrom  anns  an 
14imh  's  gur  fhiach  do  dhuiae  fhaotainn  ged 
bhiodh  a  h-uile  oran  a  tha  ann  aige  cheana 
ann  an  leabhraichean  eUe.  Chan  fhaca  mise 
dad  iiT  ann  nach  b'  aithne  dhomh  cheana,  no 
CO  dhiu  anns  na  leugh  mi  dheth,  ach  thug  e 
toUeachadh  dhomh  fad  uair  an  uaireadair,  a' 
tionndadh  nan  duilleagan  agus  a'  stad  an 
dr^sd  's  a  ris  a  leughadh  as  iu-  sreathan  agus 
rannan  air  a  bheU  bias  mihs. 

Ann  an  aon  doigh  tha  an  leabhar  so  coltach 
ris  na  ceUidhean  a  bhios  aca  aig  a'  Mhod,  far 
am  faic  thu  maithean  agus  mithean  na  tire, 
uachdarain  agus  iochdarain,  'n  an  suidhe 
comhla  air  an  tirlar,  no  'n  an  seasamh  gualann 
ri  gualainn  aig  an  dorus  ;  tha  Mac  Mhaighstir 
Alasdair  agus  Donnchadh  Ban  agus  DiighaU 
Bochanan  agus  Niall  MacLeoid  aims  an  aon 
chuideachd  ri  Iain  Mac  Phaidein  agus 
Donnchadh  MacCuian  agus  Aonghas  Mac- 
Eacharn,  agus  car  son  nach  bitheadh  ?  Tha 
an  uaisle  mar  a  chumar  i. 

Tha  uidheamachadh  agus  htreachadh  an 
leabhair  bhig  so  ag  innseadh  gur  e  sgoUear 
maith  Gaidhhg  a  chuir  a  mach  e. 

Sgeulachdan  na  GaidhealtacM  Shiar. 

Anns  na  Hnntean  a  dh'  fhalbh,  an  uair 
nach  robh  leabhraichean  aig  muinntir  na 
G^idhealtachd  agus  nach  b'  urrainn  dhaibh 
an  leughadh  ged  bhiodh  iad  aca,  bha 
uirmeagan  na  h-inntinn  air  an  cumaU 
fosgailte  leis  na  sgeulachdan  a  bha  air  an 
cumail  beo  le  beul-aithris  na  feadhnach  aig 
an  robh  cuimhne  mhaith.  Bha  Iain  F. 
Caimbeul,  He,  cho  gaolach  agus  cho  measail 
air  na  sgeulachdan  sin  's  gu  'n  do  lean  e  air 
an  cruinneachadh  uUe  laithean  a  bheatha. 

Ann  an  1860-62  thug  e  am  foUais  cuid  de 
na  sgeulachdan  sin   ann   an   ceithir   leabh- 


raichean tiugh  a  chuir  e  mach,  leabhraichean 
air  a  bheil  iarraidh  mh6r  an  diugh  fhathast. 
Ach  bha  moran  eile  aige  air  chtil  a  Biimhe,  agus 
bha  iad  air  an  toirt  thairis  do  'n  leabhar-lann 
Naisinneach,  an  Dun-Eideann,  gu  bhi  air 
an  gleidheadh  gu  ciiramach. 

As  an  ulaidh  sin  thagh  Iain  G.  MacAoidh 
dorlach  eile  de  Sgeulachdan,  agus  tha  iad  a 
nis  air  an  cur  a  mach  le  Oliver  &  Boyd  ann 
an  leabhar  a  tha  taitneach  do  'n  t-suU,  agus 
a  tha  a'  cosd  coig  tasdain  fhichead.  Tha 
leabhar  eUe  ris  an  fhear  so  a  leantuinn. 

Cha  bhiodh  e  furasda  cunntas  cothromach 
a  thoirt  air  leabhar  de  'n  t-seorsa  so  gun  dol 
an  ceann  seanchais  a  ghabhadh  iiine.  Ach 
ged  nach  'eil  mi  a'  dol  a  dheanamh  seanchais 
uime  air  an  duUleig  so  bu  mhaith  leam  an 
leabhar  a  mholadh  mar  leabhar  maith  a  tha 
l^n  de  nithean  a  chuireas  inntinn  duine  air 
ghluasad,  co  dhiu  a  tha  e'  n  a  sgoUear  no 
nach  'eil,  no  co  dhiu  a  tha  Gaidhhg  aige  no 
nach  'eU.  Chan  e  idir  cnamhan  tioram  a  tha 
ann  ach  cnamhan  air  a  bheU  gu  leoir  a  dh' 
ithimiich  mhaith. 

Bha  e  air  a  dheasachadh  air  son  a'  chlodh 
leis  an  OUamh  Uilleam  I.  Mac  Bhatair ;  an 
t-OUamh  DomhnuU  Mac  Gill-Eathain ;  agus 
an  t-Ard  Fhear-teagaisg  H.  I.  Rose ;  ach  is 
ann  air  Iain  G.  MacAoidh  a  thuit  an  roinn 
bu  mhotha  de  'n  obair,  oir  is  e  esan  a  thagh 
na  Sgeulachdan  as  na  paipearan  a  dh'  fhag 
an  Caimbeulach,  a  sgriobh  iad  as  ur  air  son 
a'  chlodh,  agus  a  thionndaidh  gu  Beurla  iad, 
a  thuiUeadh  air  iomadh  fiosrachadh  eile  mu 
na  Sgeulachdan  a  thoirt  dhuian.  Tha  Iain 
G.  MacAoidh  'n  a  sgoilear  agus  'n  a  urrainn 
mhaith  anns  an  t-seorsa  htreachais  so. 

An  t-aiseag  iongantach. 

Ann  an  deireadh  MhMgh  bha  eagal  air 
sluagh  Bhreatuinn  gu  'm  biodh  an  t-arm 
againn  uile,  agus  iad  ion  's  air  an  cuartachadh 
anns  an  Fhraing  mar  ann  am  fang  chaorach, 
air  an  glacadh  agus  air  an  toirt  do  'n 
Ghearmailt  'n  am  priosanaich,  ach  le  fabhar 
M-Maith  agus  an  diorras  fein  agus  misneach 
is  tapachd  ar  seoladairean  fhuair  a'  chuid  bu 
mho  dhiubh  gu  cladach,  is  bha  iad  air  an 
toirt  dhachadh  gu  sabhaUte  do  Shasunn. 
Chan  fhacas  cabhlach  bhataichean  de  'n 
t-seorsa  ud  cruinn  comhla  riamh  roimhe  ; 
geolachan  ;  sgoithean  ;  gabartan  ;  b^taichean- 
luath;  bataichean-aiseig;  tr^lairean;  bataich- 
ean-cruidh  ;  bataichean-bathair,  agus  Para 
Handy  leis  an  Vital  Spark,  a  thuilleadh 
air  bataichean  a  bu  mhotha,  agus  na  soith- 
ichean-cogaidh  'g  an  dion,  a'  ruith  'n  am 
measg  agus  mu  'n  cuairt  orra  mar  gu  'm 


8 


AIG  AN  UINNEIG 


biodh  ooin-ohaoraoh,  agus  na  soithichean- 
adliair  ag  itealaich  os  an  cionn  agus  a'  tapaid 
ris  an  n^mhaid  a  bha  a'  feuchainn  ri  stad  a 
chur  air  an  aiseag  le  bombs.  Bu  shealladh  e 
nach  fhacas  a  leithid  riamh,  ach  tha  aobhar 
againn  a  bhi  taingeil  do  Dhia  nach  do  chuir  e 
oirnn,  a  thuilleadh  air  gach  briseadh-duil  agus 
deuchainn  a  th^inig  oirnn  anns  a'  chogadh 
so,  crois  a  bu  mhiosa  na  crois  air  bith  eile,  agus 
gu  'n  robh  an  t-arm  air  a  shaoradh  a  ribe  an 
eunadair.  Thug  Hitler  rabhadh  do  'n 
t-saoghal  uile  da  uair  gu  robh  arm  Bhreatuinn 
cho  math  's  air  a  ghlacadh  le  arm  fhein,  agus 
uair  eile  gu  'm  biodh  e  air  a  sgrios  gu  buileach 
am  beagan  tiine,  ach  ghabh  an  t-arm  an 
t-aiseag,  is  dh  'fh^g  iad  Hitler  a'  casadh 
fhiaclan. 

An  uair  a  bhios  eachdraidh  a'  chogaidh  so 
air  a  sgriobhadh  cha  rachainn  an  urras  nach 
e  naidheachd  an  aiseig  an  sgeul  as  fhaide  a 
chumar  air  chuimhne,  agus  an  sgeul  a  gheibh 
^ite  anns  a  h-uile  leabhar  a  bhios  air  a 
sgriobhadh  uime,  ged  is  e  Hitler  a  fhuair  a' 
bhuaidh  agus  a'  bhuannachd,  agus  nach  robh 
sinne  ach  mar  bha  Pol  agus  sgioba  a'  bhata 
a  chaidh  air  tir,  "  tharladh  gu  'n  deachaidh 
iad  tearuinte  gu  tir,  cuid  dhiubh  air  claraibh, 
agus  cuid  eile  air  miribh  briste  de  'n  luing." 

Eireamaid  agus  togamaid. 

Chan  'eil  duine  anns  an  duthaich  so  a 
chreideadh  an  uiridh,  no  ann  an  toiseach  an 
earraich  so  fhein,  gu  'n  rachadh  aig  a' 
GhearmaUt  air  buiUean  cho  laidir  no  cho 
cUs  a  thoirt  do  rioghachd  as  deidh  rioghachd 
's  a  thug  i  dhaibh,  no  gu  'n  rachadh  aice  air 
an  droch  bhuille  a  thug  i  dhuinn  fhein  agus 
do  'n  Fhraing  a  thoirt  dhuinn  ;  Poland  air  a 
chur  fo  casan  ann  an  se  Ik  deug  ;  Lochlann 
ann  an  tri  seachduinean  ;  Denmark  ann  an 
uair  an  uaireadair  ;  arm  na  h-Olaind  air  a 
chiosnachadh  leatha  agus  air  a  ghlacadh  ann 
an  ceithir  laithean  ;  Belgium  air  a  chur  fo 
casan  ann  an  tri  seachduinean,  agus  righ 
Bhelgium  agus  tri  cheud  mile  d'a  arm  'n 
am  priosanaich  aice  ;  bealach  air  a  dheanamh 
troimh  arm  na  Frainge  leis  a'  cheud  bhuille 
a  thug  i  orra,  agus  an  t-arm  againne  air  a 
chuartachadh  leatha  agus  air  a  chur  an 
coinneamh  a  chtiil  gu  cladach  gus  am  b' 
f  heudar  dhuinn  na  bha  beo  de  na  saighdearan 
a  thoirt  dhachaidh  agus  na  gunnacha  mora 
agus  gach  armachd  is  acfhuinn  eile  a  bha 
againn  f h^gail  air  an  raon  aig  an  namhaid ! 

Co  chreideadh  gu  'n  tachradh  a  leithid  so, 
no  gu  'n  robh  a'  Ghearmailt  cho  laidir,  no 
gu  'n  deanadh  oganaich  agus  balaich  Hitler 
ahn  an  tri  seachduinean  an  rud  a  dh' 
fhairthch  air  feachd  a'  Chaesair  fad  cheithir 
bUadhna,  an  cladach  a  ruighinn  agus  puirt 


a'  Chaolais  a  thoirt  bhuainn.  An  ionghnadh 
ged  theireadh  a'  Ghearmailt  gur  e  neart  a 
g^irdean  fhein  is  lagh  dhi  ? 

Ach  thachair  e,  agus  chan  'eil  fodhainn  a 
nis  ach  ar  leasraidhean  a  chrioslachadh  gu 
duineil,  agus  cuideachadh  a  thoirt  d'  ar 
dtithaich  le  obair,  ag  rkdh  ri  c^ch  a  cheile 
mar  thubhairt  an  sluagh  ri  Nehemiah, 
Eireamaid  agus  togamaid. 

Fear-buaireis  Israeli. 

Ann  an  sgir  Uige,  an  Le6dhas,  o  chionn 
dorlach  bhhadhnachan,  bha  ministear  air  a 
shuidheachadh  ann  an  eaglais  na  sgireachd 
a  bhiodh  a'  deanamh  uiread  cainidh  air 
eaglais  na  h-Alba  's  nach  robh  fhios  aig  a' 
choimhthional  no  aig  a'  Chleir  fad  tiine  c' 
aite  an  robh  a  sheasamh  aige  ;  co  dhiubh 
a  bha  e  leatha  no  'n  a  h-aghaidh.  Bhiodh 
e  ag  uisneachadh  cainnt  laidir  mu  'n  phuinns- 
eachadh  a  bha  diadhairean  na  h-eaglais  a' 
deanamh  air  inntinnean  dhaoine  le  'n  teag- 
asg,  agus  air  uairean  'g  an  ainmeachadh 
gu  nimheil  air  an  ainm. 

Mhill  a  sheanchas  agus  a  shearmonachadh 
sith  a'  choimhthionail ;  bha  gearan  air  a 
dheanamh  uime  ri  cinn  na  h-eaglais  an 
Dtm-eideann,  agus  bha  teachdairean  air  an 
cur  do  Leodhas  uair  no  dh^  a  bhruidhinn 
ris,  agus  a  dh'  fheuchainn  an  gabhadh  sith 
deanamh.  Ach  air  a'  cheann  mu  dheireadh 
dh'  fhag  e  Eaglais  na  h-Alba  is  thug  e  leis 
cuid  mhaith  de  'n  choimhthional.  Ged  nach 
toigh  le  eaglais  air  bith  cuid  d'a  sluagh  a 
chaU  bha  sinn  uile  leagta  ris  a'  chaU  ud  a 
chionn  gu  'n  d'  fhuair  sinn  cuidhte  's  am 
ministear  a  bha  'n  a  fhear-buaireis  an 
Leodhas. 

An  sin  bha  ministear  sitheil  air  a  shuidh- 
eachadh ann  an  Uig,  is  tha  cothrom  aig 
aobhar  Chriosd  air  soirbheachadh  an  uair  a 
tha  sith  ann  an  coimhthional. 

Ach  am  bhadhna  bha  athchuinge  o  fhear- 
buaireis  Uige  air  beulaibh  an  t-Seanaidh  ail 
Dun-eideann,  ag  iarraidh  air  ais  do  Eaglais 
na  h-Alba,  agus  rud  gle  iongantach,  bha  e 
air  a  radh  gu  'n  do  chomhairlich  Cleir  an 
EUein  Sgitheanaich  a  ghabhail  air  ais.  Ach 
gu  fortanach  bha  an  t-Urramach  Ruairidh 
Moireasdan,  an  Eaglais  Ard  Steornabhagh, 
anns  an  t-Seanadh  an  uair  a  thainig  a'  chuis 
air  a  bheulaibh  ;  dh'  innis  esan  gu  reidh 
socrach,  ceum  air  cheum,  mar  bha  sith  am 
measg  braithrean  agus  choimhearsnach  agus 
eaglaisean  air  a  miUeadh  leis  a'  mhinistear 
a  bha  ag  iarraidh  air  ais,  agus  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  b'  e  binn  an  t-Seanaidh  nach 
leigteadh  a  steach  e.  Binn  ghlic  agus 
chothromach. 

M^QOBQUOQUE 
clascowVlomdom 


Aireamh  8 


1940 


Saorsa   tre  fhuil 


THA  moran  dhaoine  ann  a  ghabhas  oilbheum 
ma  chluinneas  iad  am  facal  full  ann  an 
searmonachadh  an  t-soisgeil,  agus  a  thionn- 
daidheas  air  falbh  le  tair  bho  theachdaire 
sam  bith  a  chuireas  cudthrom  air  eifeachd 
full  an  t-Slanuigheir.  Tha  iad  an  duil  nach 
'eil  anns  an  teagasg  gur  ann  o  dhortadh  fuil 
an  t-Slanuigheir  a  tha  uile  bheannachdan  na 
reite  a'  sruthadh  ach  cuing  a  chuir  an  t-abstol 
Pol  agus  diadhairean  eile  mu  amhach  a' 
chinne-daonna,  agus  their  iad  nach  'eil  na 
tiodhlacan  spioradail  a  tha  an  saoghal  a  nis 
a'  sealbhachadh  o  Dhia  an  ceangal  ri  fuil 
Chriosd  na's  mo  na  tha  an  t-sid  an  ceangal 
ris  a'  ghealaich. 

Ach  anns  a'  chixis  so  tha  Pol  ceart,  mar 
tha  e  anns  gach  ni  diomhair  is  domhain  eile 
air  an  do  mheomhraich  'inntinn  ;  tha  an 
fhu-inn  a  theagaisg  e  air  a  deargadh  anns  na 
laithean  bronach  so  air  cridheachan  dhaoine 
mar  le  peann  iaruinn,  an  fhirinn  nach  gabh 
saorsa  ceannach  as  eugmhais  dortadh  fala. 
Ciod  air  bith  eile  a  tha  an  cogadh  uamhasach 
a  tha  an  diugh  a'  fasachadh  na  Roinn-Eorpa 
a'  teagasg  dhuinn,  tha  e  a'  teagasg  dhuinn  le 
soluimteachd  gu  'm  feum  aon  duine  bas 
f  haotainn  a  chum  gu  'm  bi  beatha  aig  daoine 
eile. 

Sin  lagh  seasmhach  a  tha  a'  riaghladh  anns 
an  t-saoghal  spioradaU  ;  lagh  nach  robh  air 
a  dheanamh  le  Pol  (ged  a  leugh  Pol  e  leis  an 
tuigse  a  thug  Dia  dha)  ach  lagh  a  tha  air 
f  hilleadh  a  steach  ann  am  beatha  chloinn  nan 
daoine  o  thoiseach  tim  gu  deireadh  an 
t-saoghail.  Tha  an  lagh  sin  ag  oibreachadh 
gun  sgur  ann  am  freasdal  Dhe  air  an  talamh, 
a'  toirt  fianuis  do  'n  fhirinn  a  tha  tighinn 
thugainn  o  Chalbhari,  '  saorsa  tre  fhuil,'  agus 
"  as  eugmhais  dortadh  fala  chan'eil  maith- 
eanas  peacaidh  ann." 

lobairt  agus  adhartas. 

Gun  iobairt  cha  bhi  adhartas.  Cordadh 
no  na  cordadh  sin  riut  cha  ghabh  e  seachnadh, 
oir  is  lagh  e  a  tha  ag  oibreachadh  araon  anns 
an  t-saoghal  nadurra  agus  anns  an  t-saoghal 
spioradaU  ;  lagh  a  tha  a  nis  a'  labhairt  ann 
an  eachdraidh  an  t-saoghail  le  guth  caol  fann, 
agus  a  ris  le  guth  a  tha  mar  thoirm  mhoran 
uisgeachan,  ach  a  tha  labhairt  ann  an  crann- 
ceusaidh  Chriosd  le  cumhachd  a  thug  eadhon 
air  na  bodhair  eisdeachd.  Cha  d'  thug  an 
saoghal  riamh  leum  air  adhart  gun  neach  air 


chor-eigin  a  thabhairt  a  bheatha  air  a  sgath  ; 
maith  a'  mhorain  a'  tighinn  o  fhulangais  a' 
bheagain ;  daoine  anns  a'  bheil  uaisle  a' 
basachadh  los  gu'm  biodh  am  braithrean  beo  ; 
faidhean  agus  ionracain  agus  martaraich  a' 
meas  am  fulangais  mar  neo-ni  a  chum  gu  'm 
biodh  slighe  dhireach  air  a  dheanamh  do 
fhirinn,  do  cheartas,  agus  do  shaorsa. 

Mar  so  tha  lagh  na  h-iobairt  air  fhigheadh 
a  steach  ann  an  dluth  is  inneach  ar  beatha, 
an  lagh  air  a'  bheU  crann-ceusaidh  Chriosd  'na 
shamhladh  agus  'na  shuaiicheantas  siorruidh  ; 
agus  ged  tha  an  lagh  so  ann  an  aon  seagh 
gruamach  is  cruaidh,  oir  tha  e  'na  mheadhon 
air  fulangas  is  bristeadh-cridhe  a  thoirt  air  a' 
ghaisgeach  agus  air  an  neo-chiontach,  tha  e 
ann  an  seagh  eile  maiseach  agus  Ian  geaUtanais 
do  'n  t-saoghal,  oir  tha  e  'na  mheadhon  air 
na  beannachdan  as  airde  a  thoirt  do  'n 
mhor-chuideachd  nach  b'  urrainn  an  cosnadh 
air  an  son  fein.  Na  tiodhlacan  a  tha  deanamh 
ar  beatha-ne  an  diugh  socrach  is  comh- 
fhurtachail  is  sabhaUte, — bha  iad  air  an 
ceannach  dhuinn  le  saothair  anama  is  fuU  ; 
tre  obair  is  fulangas  is  fein-aicheadh  dhaoine 
eUe,  a  tha  nis  eadhon  an  ainmean  air  an 
dichuimhneachadh,  thainig  beannachdan  thu- 
gainn air  son  nach  do  shaothraich  sinn. 

Athailtean  na  h-iobairt. 

Tha  e  air  a  radh  gu  'n  do  mharbhadh  aon 
duine  co  dhiu  mu  choinneamh  gach  mile  de 
'n  rathad-iaruinn  a  rinneadh  anns  an 
diithaich ;  faodar  a  radh  le  firinn  gu  'n 
deachaidh  iad  sin  iobradh  a  chum  gu  'm 
biodh  rud  maith  air  a  thoirt  dhuinne.  Na  'n 
robh  stiil  gheur  is  cridhe  tuigseach  againn 
chitheamaid  air  gach  beannachd  a  tha  sinn 
a'  sealbhachadh  athailtean  na  h-iobairt  ; 
braonnan  dearg  fuil-chridhe  nan  daoine  a 
choisinn  na  beannachdan  sin  dhuinn.  Leon- 
adh  daoine  eile  a  chum  gu  'm  bitheamaid-ne 
gun  leon  ;  chaidh  iad  a  steach  do  ghleann 
dorcha  a'  bhais  a  chum  sinne  a  thoirt  do 
ionad  tearuinte  is  farsuinn.  Gun  iobairt 
chan  'eil  adhartas,  agus  gun  dortadh  fala  chan 
'eil  saorsa. 

Cha  deachaidh  an  saoghal  riamh  aon 
cheum  air  aghaidh,  cha  d'  fhuair  sinn  marth 
as  fhiach  maith  a  radh  ris  gun  duine  air 
choreigin  no  daoine  a  bhi  air  an  ceusadh  agus 
air  an  gonadh  thun  an  cridhe  le  moran 
dhoilgheasan.    Sin  lagh  nach  'eil  dol  as  air  ; 


SAORSA  TRE  FHUIL— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


ma  lorgaicheas  tu  cursa  an  t-srutha  a  tha 
giulan  eolais  agus  sith  agus  saorsa  gu  sliochd 
Adhaimh  chi  thu  gu  bheil  an  sruthan  daonnan 
ag  eirigh  a  tobar  d'  an  ainm  Calbhari.  Ma 
bu  mhaith  leat  dearbhadh  f  haotainn  gu  bheil 
teachdaireachd  an  t-soisgeil  fior,  a'  comh- 
fhreagairt  do  fhein-fhiosrachadh  mhic  an 
duine,  ciod  an  dearbhadh  as  cinntiche  na  so, 
gu  bheil  an  Tiomnadh  Nuadh  a'  cur  fa 
chomhair  an  t-saoghail  mar  Shlanuighear 
neach  aig  a'  bheil  Crun-droighinn  air  a  cheann. 

Deo  beag  soluis. 

Anns  na  smuaintean  so,  ma  ta,  gheibhear 
leus  beag  de  sholus  anns  na  laithean  bronach 
anns  a'  bheU  sin  beo  ;  agus  c6  aig  nach  'eil 
feurtl  air  gath  soluis  anns  an  tiugh-dhorchadas 
a  tha  ag  iadhadh  umainn.  Ma  tha  Dia  'na 
fhreasdal  ag  oibreachadh  leis  an  lagh  so, 
ma's  e  so  aon  de  na  doighean  anns  a'  bheil  e 
ag  oUeineachadh  a  chloinne  ann  am  fireant- 
achd,  feumar  a  chuimhneachadh  nach  'eil  e 
ag  iarraidh  air  mac  an  duine  ni  a  dheanamh 
ach  an  ni  a  rinn  E  fein.  Is  e  sin  r'a  radh,  tha, 
a'  cheart  lagh  a  tha  ag  oibreachadh  ann  am 
beatha  dhaoine  ri  f  haicinn  anns  an  Diadhachd 
fein,  oir  ann  an  tabhartas  a  Mhic  tha  Dia  a' 
nochdadh  gu'n  d'  fhuiling  e  bron  agus 
saothair  anama  a  chum  gu'm  biodh  saorsa 
agus  oighreachd  shiorruidh  againne  mar 
thoradh  fhulangais. 

Chan  ann  mar  sheann  naidheachd  a  bu  choir 
dhuinn  naidheachd  Chalbhari  a  leughadh;  mar 
ni  a  thachair  o  chionn  f  hada  nan  cian  agiis  aig 
nach  'eil  buintealas  no  daimh  ris  na  nithean 
a  tha  lathair,  no  ri  beatha  dhaoine  anns  an 
la  an  diugh  ;  ann  am  bas  Chriosd  air  Calbhari 
tha  sinn  a'  faicinn  an  lagha  'na  mhaise  agus 
'na   iomlanachd,   gur   ann  tre  fhuU  a   thig 


saorsa ;  tha  e  'na  dhealbh  air  nithean  a  bha, 
agus  a  tha,  agus  a  bhitheas  gu  siorruidh,  fior 
ann  am  beatha  mhic  an  duine  agus  ann  an 
eachdraidh  an  t-saoghail.  Tha  iobairt  a'  call 
a  maise  an  uair  a  tha  i  air  a  tabhairt  a  dh' 
aindeoin,  oir  is  e  maise  na  h-iobairt  gu  'm 
biodh  i  air  a  tabhairt  le  saor  thoil  agus  teas 
ghradh. 

Iobairt  uasal. 

Bha  tabhartas  Chriosd  as  leth  a  bhraithrean 
uasal  agus  eifeachdach  do  bhrigh  gu'n  do 
choisrig  e  e  fein  gu  toileach  a  chosnadh  saorsa 
tre  fhuil.  Cha  b'e  na  tairngean  a  chuireadh 
'na  chasan  agus  'na  lamhan  a  chiim  air  a' 
chrann  e  ach  a  thoil  uasal  fein.  Cha  b'e 
daoine  a  thug  bhuaith  a  bheatha  a  dh' 
aindeoin  ;  thug  e  seachad  i  le  a  shaor  thoil 
mar  eiric  air  son  mhorain.  Sin  an  t-aobhar 
gu  bheil  eifeachd  shiorruidh  'na  fhuU  ;  air  a' 
chrann- cheusaidh  an  uair  a  bhais  bha  e  na 
bu  chumhachdaiche  na  bha  e  riamh  'na 
bheatha.  "  Mise  ma  thogar  suas  o'n  talamh 
mi  tairnigh  mi  na  h-uile  dhaoine  a'm' 
ionnsaigh." 

Dhoirteadh  fhuil  phriseil-san  o  chionn  nan 
ceudan  bliadhna,  ach  tha  i  fhathast  a'  ruith 
troimh  na  Unntean  mar  abhainn  iocshlaint- 
each  anns  a'  bheil  cumhachd  dhiomhair  is 
bheo.  Tha  i  a'  teagasg  do  'n  t-saoghal  mar 
nach  b'  urrainn  briathran  duine  no  aingil  a 
theagasg,  gur  e  fulangas  pris  na  saorsa.  Sin 
leasan  a  tha  ar  duthaich  ag  ionnsachadh  as 
tir  ann  an  calldachd  a'  chogaidh  ;  leasan  a 
bha  i  a'  cur  an  suarachas  ann  an  laithean  a 
suaimhneis  ;  ach  air  shghe  nach  do  shaoil 
sinn  tha  Dia  'g  ar  toirt  air  ar  n-ais  gu  Calbhari 
agus  gu  teachdaireachd  na  fala  air  an  do 
rinn  sinn  dearmad. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


{air  a  leantuinn) 


AN  uair  a  ghabh  Uilleam  Leishman  aonta 
ur  air  Leacamas  ann  an  1874  bha  timeanna 
maith  aig  tuathanaich,  Bha  prisean  maith 
air  crodh  agus  air  caoraich,  air  buntata  agus 
air  coirce,  agus  bha  prisean  ag  eirigh.  Bha 
e  na  b'  fhasa  seirbhisich  f haotainn  na  tha 
e  an  diugh,  agus  cha  robh  tuarasdal  ghillean 
cho  mor.  Ach  ged  nach  robh  an  tuarasdal 
mor  ann  an  airgiod  bha  na  gillean  a'  faotainn 
rud  a  b'  fhearr  d'an  teaghlach  na  airgiod, 
biadh  agus  connadh.  So  an  tuarasdal  a  bha 
aig  na  gillean  aig  Uilleam  Leishman  ann 
an  1875. 


Da  not  air  fhichead  (anns  a'  bhliadhna) 

Tigh  gun  mhal  agus  garadh 

Tri  tunna  guail 

Se  ceud  deug  slat  de  thalamh  buntata 

Ochd  bolla  de  mhin-choirce 

Se  bolla  de  mhin-eorna 

Feurach  agus  fodar  do  mhart. 

Cha  robh  aig  na  ciobairean  ach  se  notaich- 
ean  deug  anns  a'  bhliadhna,  ach  bha  da 
bholla  a  bharrachd  aca  de  mhin-^oirce 
(theagamh  air  son  nan  con)  agus  feurach  da 
mhart  agus  se  caoraich  dheug. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Bha  tri  bailtean-fearainn  aige  fo  chaoraich 
a  thuilleadh  air  Leacamas  ;  a  h-uile  bliadhna 
bhiodh  e  a  reic  suas  ri  da  cheud  deug  molt 
aig  Feill  na  h-olainn  an  Inbhir-nis,  cuid 
dhiubh  maol  ach  a'  chuid  mhor  dhiubh 
dubh-cheannach.  So  na  prisean  a  fhuair  e 
air  na  caoraich  ann  an  1874-75-76-78-79-80. 


Caoraich  Mhaola 

Muilt     Crogaichean 


TJain 


1874    .. 

43/9 

35/- 

17/- 

1875    .. 

.         47/- 

35/- 

21/. 

1876    .. 

51/3 

34/- 

23/6 

1877    .. 

50/- 

39/- 

23/- 

1878    .. 

48/- 

36/- 

21/6 

1879    .. 

.         43/- 

35/- 

20/- 

1880    .. 

42/- 

30/- 

20/- 

Dubh-cheannaich 

Muilt      Crogaichean      Uain 


1874 

1875 
1876 
1877 
1878 
1879 
1880 


34/6 
35/6 
37/9 
36/- 

35/- 
34/9 

37/- 


19/- 
20/3 
23/9 

24/- 
22/- 
22/9 
22/- 


13/- 

15/- 
18/3 
20/9 

20/- 
10/- 
18/- 


Anns  na  bliadhnachan  mu  dheireadh,  o 
1914  gu  1922  b'  e  so  na  prisean  a  fhuair  e 
air  na  caoraich  dhubh-cheannach  a  reic  e 
ann  am  Peairt.  Bhiodh  e  a'  reic  nan  caorach 
mhaola  ann  an  Inbhir-nis. 


Muilt 

Crogaichean 

Uain 

1914   .. 

37/- 

34/- 

24/- 

1915    .. 

41/- 

38/6 

25/6 

1916    .. 

45/- 

42/- 

27/9 

1917    .. 

49/- 

46/3 

30/- 

1918   .. 

53/- 

50/9 

32/3 

1919    .. 

59/- 

54/3 

35/- 

1920    .. 

79/- 

62/3 

41/- 

1921    .. 

60/- 

61/9 

45/- 

1922    .. 

62/- 

72/6 

43/- 

Ann  an  1915  (chan  'eil  am  mios  no  an  la 
air  ainmeachadh)  sgriobh  Uilleam  Leishman 
so  'n  a  leabhar-sgriobhaidh  : — 

"  Chaochail  an  ciobair  a  6'  fhearr  a 
bha  agam  riamh  an  raoir,  Alasdair 
Friseal.  Thainig  e  chugam-sa  a  Gleann 
Moireasdan,  ach  tha  mi  an  duil  gu'm 
buineadh  e  do  Ghearr-loch,  ach  ma  bha 
cuideachd  aige  an  sin,  cha  deachaidh  e 
riamh  air  ais  'g  am  faicinn.  'N  a  phearsa, 
'n  a  inntinn,  agus  'n  a  dhdighean,  bha  e 
air  leth  o  dhaoine  eile,  Ian  nednachais, 
Ian  ghisreagan,  agus  cho  cas  ris  na 
drisean,    ach   sgileil   agus   beachdail   am 


measg  chaorach,  agus  na  bu  churamaiche 
umpa  na  bha  e  uime  fhein.  Chan  fhacas 
riamh  cdta-uisge  no  breacan  air,  air  cho 
fuar  no  cho  fiiuch  's  'g  am  bitheadh  an 
latha,  agus  cha  mho  a  chunnacas  riamh 
cdmhdach-cinn  eile  air  ach  ad  chruaidh. 
Bhiodh  an  ad  air  ann  an  teas  an  t-samh- 
raidh,  a'  cruinneachadh  nan  caorach  air 
a'  mhonadh,  is  bhiodh  i  air,  ag  obair  anns 
an  fhang  ;  co  dhiubh  a  bha  ann  turadh 
no  uisge,  grian,  no  gaoth,  no  sneachd,  bha 
ad  chruaidh  air  ceann  Alasdair.  W  am 
measg  fhein,  far  nach  cluinneadh  e  iad, 
bhiodh  na  balaich  agam-sa  agus  na  dob- 
air  can  oga  a'  cur  gheall  mu  dhath  na 
h-aide,  no  an  e  an  aon  td  a  bha  air  o 
dh'  fhag  e  Gleann  Moireasdan,  no  am 
biodh  i  air  anns  an  leabaidh,  ach  co 
dhiubh  a  bha  an  ad  ciar  no  uaine,  bha 
barrachd  tiiir  anns  a'  cheann  a  bhafoidhpe 
na  bha  ann  an  ciobair  eile  eadar  Cuach 
agus  Cille-sgumain. 

"  Bha  e  maith  air  comharraidhean  na 
h-aimsir  a  leughadh,  agus  fad  na  h-uine 
a  bha  e  agam  cha  do  rug  stoirm  air  gun 
fhios  da,  no  gun  na  caoraich  a  bhi  ann  am 
fasgadh.  Aon  gheamhradh  mu  thri 
seachduinean  an  ddidh  na  Nollaige  thainig 
droch  stoirm  a  rinn  call  mor  do  thuath- 
anaich-chaorach  anns  an  t-siorramachd  so. 
Bha  an  t-sid  maith  aig  an  am,  agus  gun 
choslas  atharrachaidh  oirre,  is  bha  na 
caoraich  fada  mach.  Cha  robh  Alasdair 
Friseal  gu  maith  aig  an  am  ;  bha  mise 
air  falbh  o'n  tigh,  air  ghnothuch  air 
choireigin  an  Diin-eideann,  ach  an  uair 
a  thainig  an  sneachd  agus  gun  duil  ris, 
agus  a  chunnaic  mi  anns  na  paipearan- 
naidheachd  gu'n  robh  rathaidean  air  an 
dunadh,  agus  caoraich  air  an  tiodhlacadh, 
agus  cuitheanna- sneachd  ri  fhaicinn  anns 
an  robh  ceithir  troighean  deug  a  dhoimhn- 
eachd,  ghreas  mi  orm  dhachaidh  agus 
fhios  agam  gu  robh  an  ciobair  air  a 
leabaidh.  Ach  bha  an  rathad-iaruinn  air 
a  dhiinadh  cho  maith  ri  rathaidean  eile, 
agus  a  dh'  aindeoin  mo  chabhaig  cha 
d'  fhuair  mi  dhachaidh  gu  Di-ciadaoin 
an  deidh  na  stoirme,  a  bha  air  Di-haoine 
agus  Di-sathuirn. 

"An  uair  a  choinnich  fear  de  na  balaich 
mi  leis  an  each  b'  ea'  cheud  fhacal  a  thuirt 
mi  ris,  '  An  cuala  sibh  dad  mu  na 
caoraich  air  Cuach,  no  mu'n  chiobair  ?  ' 

"  Tha  na  caoraich  air  Cuach,"  ars  esan, 
ceart  gu  ledir  ;  "  chuir  Alasdair  Friseal  a 
mhac  a  dh'innseadh  dhuinn  gu  robh  na 
caoraich  sabhailte.' 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


"  Bha  na  caoraich  sabhailte  gun  teag- 
amh,  le  cur  am  agus  dilseachd  a'  chiobair. 

''N  a  shineadh  aims  an  leabaidh  mu 
choinneamh  na  h-uinneig  mu  dha  uair 
feasgar  Di-haoine  chunnaic  e  coslas  air 
an  speur  nach  do  chord  ris,  agus  gun  dad 
a  radh  ri  mhnaoi,  dh'eirich  e  is  sheall 
e  a  mach.  Anns  a'  mhionaid  thill  e 
steach  is  chuir  e  an  ad  agus  a  bhrdgan 
air,  ag  radh  gun  iomagain  air  bith  a  bhi 
oirre  ach  gu'n  robh  esan  a'  dol  a  dh'fhaicinn 
c'aite  an  robh  na  caoraich.  Rinn  i  na 
b'urrainn  dhi  'g  a  chumail  o  dhol  a  mach 
agus  e  'n  a  chrioplach  bochd,  ach  bha  cho 
maiih  dhi  feuchainn  ri  Cruachan  a 
charachadh.  Thug  e  leis  an  da  chii  is 
thuirt  e  rithe  iarraidh  air  a  mhac  a 
leantuinn,  an  uair  a  thigeadh  e  dhach- 
aidh.  Mu  leth  uair  an  diidh  tri  thdisich 
an  sneachd  air  tuiteam,  is  dh'eirich  a' 
ghaoth  le  toirm  eagallach  anns  na  coir- 
eachan,  agus  m'  an  do  dhorchaich  an 
oidhche  bha  cur  is  cathadh  gabhaidh  ann. 
Lean  an  stoirm  oirre  gun  tiobradh  gu 
feasgar  Di-sathuirn.  Bha  Alasdair  Friseal 
agus  a  mhac  a  muigh  fad  na  h-oidhche, 
agus  gu  meadhon-la  Di-sathuirn,  ach 
chaidh  aca  air  na  caoraich  a  thuirt  a 
cunnart  gu  fasgadh  le  droch  ghiollachd  a 
thoirt  d'  an  cuirp  fhdin  agus  am  beatha 
fhein  a  chur  an  cunnart. 

"  Bu  dona  am  maighstir  aig  nach  biodh 
meas  air  seirbhiseach  de'n  t-sedrsa  so, 
chan  ann  a  mhain  mar  sheirbhiseach  ach 
mar  charaid  dileas. 

"  Chan  fhaca  Alasdair  Friseal  caora 
riamh  nach  aithnicheadh  e  a  ris,  na'n 
socruicheadh  e  a  shuil  oirre  gu  sdnruichte  j 
an  uair  a  bhitheamaid  a'  cur  nan  uan  fo 
dheoghal  agus  a'  cur  air  leth  nan  uan 
boirionn  a  bha  ri  bhi  air  an  gleidheadh  air 
son  stuic  rachadh  aige  air  am  mathrichean 
a  chomharrachadh  dhomh  ann  an  da  mhi- 
onaid ma  bha  teagamh  agam  am  6'  fhiach 
an  t-uan  a  ghleidheadh.  Cha  bu  toigh 
leis  uan  a  chumail  mar  chaora-stuic  ma 
bha  dad  idir  de  choslas  muilt  oirre  'n  a 
h-aodann  no  'n  a  cumadh.  Theireadh  e 
gur  e  Dia  a  rinn  '  firionn  '  agus  '  boir- 
ionn iad,'  agus  na  nithean  a  dhealaich 
esan,  nach  bu  choir  dhuinne  a  mheasgadh." 

Bha  bliadhnachan  a'  chogaidh  (1914-1918) 
'n  am  bliadhnachan  soirbheachail  do  thuath- 
anaich,  oir  is  fhada  o  chualas  am  facal  gu'n 


cuir  rongan  cogaidh  spreigeadh  anns  a' 
mhargadh.  Ach  cha  b'e  rongan  beag  cogaidh 
a  bha  anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  ach 
tuil  agus  crith-thalmhainn  a  theab  an  Roinn- 
Eorpa  a  sgrios.  Bha  an  cogadh  a'  laighe  gu 
trom  air  cridhe  Uilleam  Leishman,  agus  anns 
na  bhadhnachan  mu  dheireadh  d'a  bheatha 
bha  e  a'  sgriobhadh  uime  na  bu  trice  na  bha 
e  a'  sgriobhadh  mu  chuspair  air  bith  eile. 

Theagamh  gu  bheil  cuimhne  aig  cuid  de 
na  leughas  an  duilleag  so  air  an  aimsir 
chiiiin  agus  bhreagh  a  bha  againn  anns  an 
fhoghar  an  1914,  an  August  agus  September. 
Bha  mise  ann  an  Sasunn  aig  an  am,  is  bidh 
cuimhne  agam  gu  brath  air  na  laithean 
grianach  ud,  agus  air  maise  na  duthcha,  is 
bha  car  de  na  ceart  smuaintean  'n  am  chridhe 
a  bha  ann  an  cridhe  Uilleam  Leishman  an 
uair  a  sgriobh  e  so  'n  a  leabhar-la. 

"  Chan  'eil  eagal  no  iomguin  orm  am 

bliadhna  an  uair  a  chaidleas  mi  anns  an 

oidhche   gu'm   bi   an   dile   ann   anns   a' 

mhaduinn,   oir  tha  a  h-uile   la  a'   toirt 

barr  air  an  la  a  bha  roimhe.   Tha  a  h-uile 

ni  maith  agus  mar  a  dh'iarramaid  ach  a 

mhain  gu  bheil  uamhas  a'  chogaidh  maille 

ruinn  'n  ar  diisgadh  agus  'n  ar  cadal.   Car 

son  a  tha  daoine  a'  marbhadh  a  cheile 

agus  gun  fuath  aca  d'a  cheile  ?    Car  son 

a  ghabhadh  rioghachdan  oilbheum  a  thaobh 

nithean  nach  tugadh  oilbheum  do  dhuine 

glic  ?  An  ann  o  Dhia  a  tha  cogadh,  no  an  e 

obair  Shatain  a  tha  ann  uile  gu  leir  ? 

Co  as  urrainn  a  radh  ?     Tha  daoine  glic 

agus  daoine  diadhaidh  a'  feuchainn  ri 

cogadh  a  chur  as,  ach  chan  e  mhain  gu 

bheil  sin  a'  fairtleachadh  orra  ach  tha 

iad  fein  air  an  tarruing  a  steach  ann, 

agus   air   a'    cheann   mu   dheireadh   tha 

lamh  aca  ann.    Agus  chan  e  sin  a  mhain 

ach  cha  bhiodh  an  coguis  reidh  riu  mur 

biodh  lamh  aca  ann,  a  chionn  gu  bheil 

iad  cinnteach  gu  bheil  iad  a'  seasamh  na 

cor  ach.  An  e  cogadh  aon  de  na  meadhonan 

leis  a  bheil  Dia  a'  cur  an  geill  a  thoile 

agus  a  ricintean  anns  an  t-saoghal  ?  Chan 

urrainn  mi  a  radh.    Tha  e  'n  a  dheacair- 

eachd  dhomh.     Tha  m'  inntinn  ann  an 

ceo,  mar  dhuine  a'  gluasad  an  rathad  ud 

agus  an  rathad  ud  eile,  agus  gun  e  a' 

faicinn  ach  sgailean.    Is  e  an  aon  ni  as 

urrainn    mi    a    dheanamh    le    m'    uile 

chridhe,  a  bhi  ag  urnuigh  ri  Dia  air  son 

sith,  agus  a  bhi  ag  urnuigh  gu'n  tigeadh 

a  rioqhachd."  ,r,-i      ^    ■      x 

^  {Ri  leantuinn.) 


Chan  'eil  ni  nuadh  fo'n  ghrein 

An  ni  a  hha  ann  is  e  an  ni  sin  fdin  a  bhitheas  ann  ;  chan  'eil  ni  sam  hiih  nioadh 
fo'n  ghrein." — Ecclesiastes  I.  9. 


THA  facal  an  Tighearna  sean  agus  ur,  fior 
agus  seasmhach,  anns  an  t-seagh  so,  nach  'eil 
dad  a  thachras  ann  am  beatha  dhaoine  no 
ann  an  eachdraidh  rioghachdan  nach  'eil 
rudeigin  anns  a'  Bhiobull  coltach  ris  ;  seann 
ni  a  tha  coltach  ris  an  ni  nuadh. 

Is  fhada  Asiria  o'n  Fhraing,  agus  is  fhaide 
na  sin  Heseciah  o  cheannardan  na  Frainge, 
ach  ma  leughas  tu  an  ochdamh  agus  an 
naoieamh  caibideU  deug  de  Dhara  Leabhar 
nan  Righrean  chi  thu  nach  'eil  Hitler  a' 
deanamh  air  an  Fhraing  (no  oirnne  cuideachd 
ma  theid  aige  air  a  dheanamh)  ach  mar  rinn 
Senacherib,  righ  Asiria,  air  ludah. 

Innsidh  mi  an  naidheachd,  facal  air  an 
fhacal,  ach  a  mhain  gu'n  giorraich  mi  i. 

B'  fheudar  do  Heseciah  a  chuid  a  b'  fhearr 
a  dheanamh  de'n  chuid  bu  mhiosa,  oir  cha 
b'  urrainn  dha  seasamh  ri  Senacherib,  a 
ghlac  bailtean  ludaih.  "  Ma  bheir  thu  air 
ais  t'  arm,"  ars  esan,  "  bheir  mi  dhuit  suim 
airgid  air  bith  a  dh'  iarras  tu." 

Sin  mar  bha  ;  b'  fheudar  dha  a  chain  a 
chuir  Senacherib  air  a  phaigheadh,  gu  ruige 
or  an  teampuill.  Tharruing  Senacherib  an 
t-arm  air  falbh  o  Jerusalem,  ach  ma  tharruing, 
cha  do  sheas  e  ri  fhacal ;  thainig  e  air  ais  a 
ris,  agus  cumhachan  ura  a  dhith  air. 

Chuir  e  teachdairean  gu  Heseciah  (an  uair 
a  leughas  tu  ciod  a  thubhairt  Rabsaceh  nach 
saoil  thu  gur  e  Goebbels  a  tha  thu  a'  cluintinn 
a'  moladh  treunadas  Hitler!)  ag  radh  ris, 
"  Ciod  am  feum  a  tha  ann  dhuit  a  bhi  seasamh 
am  aghaidh-sa,  no  ciod  an  tairbhe  a  tha  ann 
dhuit  earbsa  a  chuir  an  Dia  do  nach  urrainn 
or  a  theampuill  fein  a  dhion." 

An  sin  thoisich  Rabsaceh  air  bruidhinn  ri 
muinntir  ludaih  uile,  air  chiil  an  righ,  mar 
tha  a'  Ghearmailt  a'  deanamh  air  an  Radio 
anns  na  laithean  so  :  "  Chan  'eil  ann  an  righ 
Heseciah  ach  righ  gun  arm,  righ  anfhann  an 
coimeas  ri  Senacherib  aig  a  bheil  arm  a 
cheannsaicheas  an  saoghal ;  chan  urrainn 
Heseciah  bhur  saoradh  a  laimh  righ  Asiria  ; 
mar  sin  bithibh  glic  agus  na  seasamh  a  mach 
an  aghaidh  Shenacherib,  ach  geillibh  dha." 

An  uair  a  dh'  innseadh  do  Heseciah  na 
cumhachan  a  bha  Senacherib  a'  dol  a  chur 
air  fhein  agus  air  a  dhaoine,  agus  a'  bhoilich 
agus  am  maoidheadh  a  rinn  Rabsaceh  mu 
Shenacherib  agus  an  t-arm  cumhachdach  a 
bha  aige,  reub  e  'aodach,  agus  chaidh  e  do 
thigh  an  Tighearna. 

Ann  an  tigh  an  Tighearna  f  huair  e  solus 
agus  comhairle,  is  chuir  e  fios  gu  Isaiah,  am 
faidh,  a'  caoidh  cor  a  dhiithcha,  agus  an  tair 


agus  am  masladh  a  rinneadh  oirre,  agus  ag 
iarraidh  air  iirnuigh  a  dheanamh  air  a  son. 
Fhreagair  am  faidh  e,  Mar  so  tha  lehobhah 
ag  radh,  Na  biodh  eagal  ort  roimh  na  briathran 
a  chuala  tu,  leis  an  d'  thug  oglaich  righ 
Asiria  masladh  dhomhsa  ;  feuch  cuiridh  mise 
spiorad  ann,  agus  duinnidh  e  iomradh,  agus 
pillidh  e  d'a  thir  fein,  agus  bheir  mise  air 
tuiteam  leis  a'  chlaidheamh  'n  a  thir  fiin. 

Chan  e  mhain  gu  bheil  a'  Ghearmailt  an 
diugh  na  's  laidire  na  bha  Asiria  ach  tha  i  a' 
deanamh  tair  agus  masladh  air  rioghachdan 
eile  nach  do  rinneadh  riamh  air  daoine  no 
air  duthchannan.  Chan  'eU  cainnt  aig  daoine 
reidh  anns  an  gabh  gniomharan  olc  na 
Gearmailte  innseadh  ;  breugan,  mort,  sannt, 
foirneart  air  comhearsnaich  lag  agus  neoch- 
iontach,  agus  maoidheadh  gun  sgur  air  gach 
duine,  no  comunn,  no  duthaich,  air  am 
maith  leatha  eagal  a  chur  ;  na'n  robh  sin 
air  a  dheanamh  le  duine  a  b'  aithne  dhuit 
cha  bheireadh  tu  air  laimh  air,  is  theireadh  tu 
nach  biodh  de.  bhathais  aige  e  fein  a 
nochdadh  am  measg  dhaoine  criosdail.  Ach 
chan  fhearr  ach  gur  miosa  an  gnothuch, 
agus  gur  mo  an  naire,  gu  bheil  so  air  a 
dheanamh  chan  ann  le  aon  duine  ach  le 
ceithir  fichead  muillean  Gearmailteach  a 
tha  a'  deanamh  umhlachd  do  Hitler  mar  dhia. 

Ach  buidheachas  do  Ni-maith  tha  aon 
diithaich  agus  aon  sluagh  anns  an  t- saoghal 
air  nach  'eil  eagal  seasamh  an  aghaidh 
foirneart  agus  lamhachas-laidir  na  Gear- 
mailte. Chan  e  nach  'eil  ciiis-eagail  ann,  oir 
tha  an  namhaid  laidir,  agus  innleachdach, 
agus  diorrasach,  agus  borb,  ach  b'  fhearr  le 
muinntir  Shasuinn  agus  Albann  an  cuid 
agus  an  inbhe  a  chaU  na  gu'n  cailleadh  iad 
an  saorsa,  no  gu'm  biodh  iad  fo  chasan 
sptiinneadairean . 

Ma  tha  e  's  an  dan  gu'n  teid  iompaireachd 
Bhreatuinn  sios  ciod  an  doigh  anns  am  b' 
fhearr  dhi  dol  sios  na  buille-bhais  fhaotainn 
a'  cothachadh  air  son  nan  nithean  d'  an  robh 
i  riamh  dileas,  a  dh'  aindeoin  a  h-uile 
sheachranaibh,  firinn  agus  saorsa  ? 

Ach  tha  dochas  maith  againn  nach  teid 
Breatunn  sios,  ach  bithidh  an  cogadh  fada 
agus  uamhasach,  agus  feumaidh  sinn  uile 
misneach  a  bhi  againn  agus  gun  sinn  fhein 
a  ghearan  ged  thigeadh  na  soithichean- 
adhair  m'  ar  cinn.  Ciod  e  ar  beatha-ne 
seach  gu'm  biodh  buaidh  aig  Breatunn  anns 
an  obair  uasal  ris  an  do  chuir  i  a  lamh  le 
eagal  ach  gun  gheilt  no  ath-chomhairle  ? 


■I 


Ceist  an  ludhaich 


Le  W.  B.  H. 


CHA  do  dhichuimhnich  mi  riamh  rud 
neonach  a  thachair  dhomh  o  chionn  moran 
bhliadhnachan  ann  an  carbad-iaruinn  eadar 
Dixn-eideann  agus  Glaschu.  'N  a  shuidhe 
laimh  rium  bha  ludhach  6g  tapaidh  as  na 
Gorbals,  an  Glaschu,  agus  m'am  choinneamh 
soisgeulaiche  a  China,  duine  6g  talantach  a 
bha  aig  an  tigh  air  forlach. 

Chaidh  an  dithis  an  seanchas  ri  cheile  mu 
nithean  spioradail,  agus  chord  e  rium  gu 
h-anabarrach  a  bhi  cluinntinn  an  t-soisgeul- 
aiche  a'  toirt  fianuis  mu  Chriosd  do  dhuine 
a  bha  a  chridhe  cruadhaichte  an  aghaidh 
firinn  an  t-soisgeil.  ■ 

"  An  urrainn  thu  innseadh  dhomh,"  ars  an 
t-Iudhach,  "  aon  rud  a  rinn  an  Criosd  so  a 
tha  thu  a'  moladh  air  do  shon  fein  ?  "... 

"  Is  urrainn,"  ars  an  soisgeulaiche. 

"  Ciod  ma  ta,  a  rinn  e  dhuit  ?  "  ars  an 
t- ludhach. 

Anns  a'  mhionaid  f  hreagair  an  soisgeulaiche, 
agus  cha  do  dhichuimhnich  mi  riamh  an  rud 
a  thubhairt  e,  "  Thug  Criosd,"  ars  esan,  "  gu 
Dia  mi,  is  theagaisg  e  dhomh  co-chomunn 
fhaotainn  ri  Dia." 

"  An  aithne  dhuit-sa  'n  ad  fhiosrachadh 
fein,"  ars  esan  ris  an  ludhach,  "  ciod  a  tha 
e  a'  ciallachadh  do  dhuine  co-chomunn  a 
bhi  aige  ri  Dia  ?  " 

Rinn  an  t-Iudhach  snodha  gaire,  is  chrath 
e  a  cheann ;  "  chan  aithne,"  ars  esan. 

"  O,  chan  aithne,"  ars  am  soisgeulaiche, 
"  agus  chan  fhaigh  thu  fhios  air  gu  brath  an 
taobh  a  mach  de»Chriosd,  oir  thubhairt  esan, 
"  Is  mise  an  t-slighe  .  .  .  cha  tig  neach  air 
bith  chum  an  Athar  ach  tromham-sa." 

Cuimhnich,  a  leughadair,  gu  bheil  sin  a 
cheart  cho  fior  d'  ad  thaobh-sa  's  a  bha  e  a 
thaobh  an  ludhaich  ud.  Is  ann  tre  losa 
Criosd,  agus  tre  losa  Criosd  a  mhain  a 
gheibh  thu  co-chomunn  ri  Dia. 

Tha  feum  agad  air  Dia. 

Bu  mhaith  leam,  mata,  anns  a'  cheud  aite  a 
radh  riut  gu  bheU  feum  agad  air  Dia.  Is  e  an 
t-uireasbhuidh  as  mo  'n  ad  bheatha,  Dia. 
Tha  thu  a'  faireachduinn  gu  bheil  fichead 
rud  'g  ad  dhith  anns  an  t-saoghal  so,  is 
theagamh  gu  bheil  sin  fior,  ach  tha  aon  ni 
feumail,  agus  gus  an  dean  thu  roghainn  de'n 
ni  sin  cha  bhi  do  chridhe  riaraichte  gu  brath. 

Is  e  an  t-iarrtas  a  tha  ann  an  cridhe  mhic 
an  duine  air  Dia  an  comharradh  as  cinntiche 
air  an  uaisle  agus  an  inbhe  a  bhuineas  dha 
gu  nadurra  ;  is  e  an  t-iarrtus  sin  a  tha  'g 
a  dhealachadh  o  na  h-ainmhidhean.  Chan 
urrainn  mac  an  duine  gun  bhi  a'  smuain- 


eachadh  air  Dia,  chan  urrainn  e  gun  bhi  'g 
a  iarraidh,  oir  is  ann  bho  Dhia  a  thainig  e, 
is  cha  bhi  a  chridhe  aig  fois  gu  brath  gus 
am  faigh  e  fois  ann  an  Dia. 

Is  e  sin  an  t-aobhar  gu  bheil  daoine  cho 
neo-fhoisneachail  's  a  tha  iad.  Chan  'eil, 
creutair  eile  air  aghaidh  na  talmhainn  cho 
neo-fhoisneachail  ri  mac  an  duine.  Car  son  ? 
Tha,  a  chionn  gu  bheil  tart  'n  a  anam  an 
geall  air  Dia.  Tha  creutairean  na  machrach, 
crodh  agus  caoraich,  riaraichte  agus  fois- 
neaehaU  ma  gheibh  iad  biadh  gu  leoir  agus 
comhfhurtachd,  oir  cha  do  chruthaicheadh 
iad  air  son  crioch  as  airde,  ach  cha  riaraich 
sin  mac  an  duine,  oir  bha  esan  air  a  chruth- 
achadh  air  son  na  criche  so,  Dia  a  mhealtainn 
agus  co-chomunn  a  bhi  aige  ris. 

Tmaighe  an  duine. 

Tha  truaighe  an  duine  ag  eirigh  o'n  an- 
f  hois  a  tha  'n  a  chridhe,  a  chionn  gu  bheU 
tart  'n  a  chridhe  angeaU  air  Dia,  ach  tha  an 
truaighe  so  fhein  'n  a  chomharradh  air  an 
inbhe  a  tha  aig  mac  an  duine  gu  nadurra  os 
cionn  nan  uile  chreutairean  uile.  A  dh'ain- 
deoin  gach  ni  eile  a  dh'  fhaodas  e  fhaot- 
ainn anns  an  t-saoghal  so  cha  bhi  e  gu 
brath  toilichte  no  aig  fois  gun  Dia. 

Na  h-abair,  a  leughadair,  nach  'eil  an  so 
ach  cainnt  mhinistearan  ;  chan  'eU  mi  ag 
radh  facal  ach  an  fhirinn  lorn,  firinn  a  tha 
air  a  dearbhadh  ann  an  eachdraidh  an 
t-saoghail,  o  laithean  an  fhir  a  sgriobh 
leabhar  Ecclesiastes  gus  an  la  diugh.  "Diomh- 
anas  nan  diomhanasan,"  ars  esan,  "  is  diomh- 
anasan  na  h-uUe  nithe." 

0  chionn  beagan  iiine  chunnaic  mi  dithis 
dhaoine  nach  fhaca  mi  riamh  roimh.  Is  e 
an  solus  a  bha  dealradh  'n  an  gniiis  a  tharr- 
uing  m'  aire  'g  an  ionnsuidh,  solus  a  bha  ag 
innseadh  gu  soilleir  gu  robh  sith  agus 
suahmmeas  aca  's  an  taobh  a  stigh.  Agus 
na'm  feoraicheadh  tu  de'n  dithis  ud  c'aite 
an  d'  fhuair  iad  an  sith  agus  an  sonas 
theireadh  iad  le  aon  ghuth,  "  Fhuair  o  losa 
Criosd."  Ach  a  thuilleadh  air  an  dithis  ud 
tha  na  miltean  anns  an  t-saoghal  a  b'  urrainn 
a  radh, 

Chum  losa  thainig  mi  mar  bha, 
Sgith,  saruicht',  agus  trom. 
Is  fhuair  mi  ann-san  ionad-taimh, 
'S  air  m'aigne  chuir  e  fonn. 

Ni  Criosd  sin  air  do  shon-sa,  a  leughadair, 
ma  leigeas  tu  leis.  Car  son  nach  leigeadh  tu 
leis  a  dheanamh  an  diugh  fhein ! 


Aireamh  9 


1940 


Crann  nam  buadh 


Tha  Dia  a'  moladh  a  ghraidh  fein  dhuinne,  do  bhrigh  an  uair  a,  bha  sinn  faihast  'n  ar 
peacaich  gu'n  d'fhuiling  Criosd  has  air  ar  son. —   Rom.  v,  8, 


BHO  chionn  mile  bliadhna,  seadh  bho  linn 
nan  abstol,  tha  daoine  glic  is  ionnsaichte  a' 
feuchainn  ri  thuigsinn  ciod  an  ceangal  a  tha 
aig  bas  Chriosd  ri  maitheanas  peacaidh,  no 
ciod  an  seagh  anns  am  faodar  a  rAdh,  gur 
e  bas  Chriosd  clach-steidh  ar  creidimh  agus 
ar  barantas  gu'n  do  choisinn  e  dhuinn  reite 
ri  Dia.  Ach  ciod  air  bith  an  fhreagairt  a 
bheirear  do  na  ceistean  sin,  tha  so  fior  co  dhiu, 
nach  robh  agus  nach  'eil  cumhachd  eile  air 
an  t-saoghal  cho  laidir  ris  a'  chumhachd  a 
tha  anns  a'  chrann-cheusaidh.  Chan'eil  aig 
daoine  ach  a  dhealbh  fhaicinn  ri  taobh  an 
rathaid,  crois  a  chuireas  Calbhari  'n  an 
cuimhne,  agus  ni  e  maoth  cridheachan  a  tha 
cho  cruaidh  ri  cloich. 

Tha  smuaintean  dhaoine  mu  phuingean 
creidimh  agus  mu'n  aite  a  tha  aig  bas 
Chriosd  ann  an  obair  na  slainte  ag  atharrach- 
adh  o  hnn  gu  linn,  ach  chan  ann  ann  an 
smuaintean  dhaoine  a  tha  cumhachd-tearn- 
aidh  ach  ann  an  crann  nam  buadh  e  fein. 
Ann  an  stri  am  beatha  agus  aig  uair  am  bais 
togaidh  daoine  an  siiilean  ris  a'  chrann  sin, 
oir  tha  iad  a'  faicinn  ann  lamhan  Dhe  sinte 
a  mach  ann  an  gradh,  a'  beannaehadh  a 
chloinne  agus  a'  gul  os  an  cionn.  An  neo- 
ni  e  dhuibhse,  a  sibhse  uile  tha  gabhail 
seachad  ?     amhaircibh    agus  faicibh   a    bheil 


doilgheas  sam  bith  cosmhuil  ri  mo  dhoilgheas- 
sa,  deir  an  Tighearna. 

Tha  Dia  a'  dearbhadh  a  ghraidh  dhuinne 
do  bhrigh,  an  uair  a  bha  sinn  fathast  'n  ar 
peacaich,  gu'n  do  bhasaich  Criosd  air  ar 
son.  Chan  urrainn  daoine  teagamh  a  chur 
ann  an  cumhachd  Dhe  no  ann  an  gliocas  Dhe 
oir  tha  cumhachd  is  gliocas  an  Tighearna  air 
an  sgriobhadh  air  aghaidh  na  talmhainn  ; 
anns  na  creagan,  agus  anns  na  neamhan,  cho 
soilleir  's  gur  leir  do  gach  siiil  iad.  Ach 
tha  e  furasda  gu  leoir  do  dhaoine  teagamh 
a  chur  ann  an  gradh  Dhe  oir  chan'eil  fianuis 
a'  chruthachaidh  idir  cho  soilleir  uime  sin. 
An  dara  uair  saoilidh  tu  gu  bheil  an  cruth- 
achadh  ag  innseadh  gu  bheil  baigh  is  gradh 
is  caomhalachd  ri  cloinn-daonna  ann  an 
cridhe  a'  Chruithfhir,  ach  an  uair  eile  saoilidh 
tu  gu  bheil  an  cruthachadh  ag  radh  gur  coma 
leis  a'  Chruithfhear  co  dhiu  a  tha  cridh- 
eachan chloinn-daonna  sona  no  leonta,  no  co 
dhiu  a  roghnaicheas  iad  f u-eantachd  no  eucoir. 
Mar  sin  thug  Dia  comharradh  cinnteach  do'n 
t-saoghal  air  a  ghradh  siorruidh  fein,  crann- 
ceusaidh  a  mhic. 

Cia  an-mhor  trocair  Dhia  nan  gras  : 

Cia  pailt  a  ghradh  is  'iochd, 
A  thug  a  mhac  mar  iobairt  suas, 

A  dh'  fhulang  truaigh  'n  ar  riochd. 


Aig  an  Uinneig 


An  t-Urramach  Daibhidh  MacDhonnchaidh. 

BHA  moran  Ghaidheal,  gu  sonraichte  an  He 
agus  an  Dim-eideann,  duilich  a  chluinntinn 
gu'n  do  shiubhail  an  duine  coir  so  ann  an 
Craoibh  o  chionn  ghoirid.  Bha  e  tri  fichead 
's  a  deich. 

Rugadh  an  He  e  ;  bha  e  air  oileanachadh 
an  Glaschu  agus  an  Dun-eideann,  agus  thug 
Cleir  Mhuile  cead  searmonachaidh  dha  an 
1897.  An  deidh  dha  bhi  greis  'n  a  fhear- 
cuideachaidh  an  Cinn-chardain,  an  sgir  Obar- 
neithich,  bha  e  air  a  shuidheachadh  an 
Uidhist  a  Deas  an  1900  ;  a  Uidhist  chaidh 
e  do  eaglais  an  Naoimh  Tomas  an  1908  ;  a 
Glaschu  chaidh  e  do  Dhim-tochar,  an  Cleir 
Dhim-Breatunn  an  1913,  agus  ceithir  bliadhna 
'n  a  dheidh  sin  chaidh  e  do  North  Esk,  dluth 


air  Dun-eideann,  far  an  do  shaothraich  e  gus 
an  do  shiubhail  e. 

Bha  e  posda  da  uair,  is  dh'  fhag  e  teaghlach 
'n  a  dheidh,  da  nihac  tha  mi  an  dull. 

'Na  phearsa  bha  e  'n  a  dhuine  eireachdail, 
mor  agus  fuasgailte  agus  direach,  agus  bha 
e  a  cheart  cho  gasda  'n  a  nadur.  Cha  robh 
aige  ach  seasamh  air  ard-iirlar  aig  coinneamh 
Ghaidhealach  air  bith  agus  thigeadh  gean 
air  a  chuideachd  cho  luath  's  a  chitheadh 
iad  am  flath  a  bha  air  aodann.  Bha  e  'na 
fhior  Ghaidheal,  eudmhor  anns  gach  cuis  a 
bhuineadh  d'ar  tir  no  d'ar  canain,  agus 
bithidh  ionndrainn  air  ann  an  iomadh 
Comunn  Gaidhealach  an  Dim-eideann  anns 
an  robh  e  'n  a  thaic  agus  'n  a  chomhairliche 
maith. 


AIG  AN  UINNEIG— LITIR  GAISGICH  GU  A  MHATHAIR 


Cha  do  chuir  Daibhidh  MacDhonnchaidh 
a  mach  air  duine  eile  riamh  ;  bha  e  cho 
suairce  agus  cho  reidh  'n  a  nadur  's  gu'm 
fasadh  daoine  cas  sitheil  'n  a  chuideachd  a 
dh'  aindeoin  an  cridhe.  Cha  do  leig  e  riamh 
le  ro-churam  no  usaid  a  shith  no  a  shocair 
a  mhilleadh  ;  cha  mho  a  bhiodh  a  shiail 
daonnan  air  an  uaireadair  an  uair  a  bhiodh 
e  fein  no  neach  eile  a'  seanchas,  ach  mur 
robh  suim  aige  do'n  uaireadair  bha  suim 
aige  do  nithean  as  fhearr,  companas  agus 
braithreachas  agus  caidreamh  blath. 

Cha  b'e  a  shearmonachadh  no  a  thalantan 
a  choisinn  dha  gean-maith  mhinistearan  eile, 
no  am  meas  a  bha  aig  a  choimhthional  fein 
air,  ach  an  cridhe  bl4th  agus  a'  ghne  uasal 
a  bha  ann  gu  nadurra.  Duine  gaolach  reidh  ; 
gun  cheilg,  gun  chabhaig,  gun  gho,  b'e  sin 
Daibhidh  MacDhonnchaidh. 

Seoras  Marjoribanks,  an  Sonachan. 

Ged  nach  bu  Ghaidheal  Seoras  Marjoribanks 
a  thaobh  a  dhiithchais  bha  a  leithid  de  ghaol 
aige  air  ar  diithaich  agus  air  ar  canain  's 
gu'm  bu  mhaith  leam  a  chuimhneachadh  gu 


blath  air  an  duilleig  so.  Fior  dhuin-uasal  a 
bha  gaolach  agus  treibhdhireach  'n  a  nadur, 
gun  mheud-mhor  no  spagadagliog,  agus  cho 
seasmhach  'n  a  fhacal  ri  Cruachan. 

Chuir  e  seachad  a'  chuid  mhor  d'a  bheatha 
anns  na  h-Innsibh  an  Ear,  ach  an  uair  a  leig 
e  dheth  obair,  agus  a  rinn  e  a  chomhnuidh 
anns  a'  Ghaidhealtachd,  chuir  e  roimhe  gu'n 
ionnsaicheadh  e  Gaidhlig,  agus  an  iiine  ghoirid 
labhradh  is  sgriobhadh  e  Gaidhlig  cho  maith 
's  gu'n  saoileadh  tu  gu  robh  i  aige  riamh. 
Tha  gu  leoir  de  dhaoine  leis  am  bu  toil 
Gaidhlig  a  bhi  aca  ach  leis  nach  toil  dragh 
no  saothair  a  ghabhail  'g  a  h-ionnsachadh, 
ach  dhearbh  Seoras  Gallda,  mar  theireadh 
e  ris  fhein,  gu  robh  gaol  aige  air  a'  Gh^idhlig 
leis  an  an  t-saothair  a  ghabh  e  'g  a 
h-ionnsachadh. 

Bithidh  ionndrainn  againn  uile  air  an 
duine  ghrinn  so,  ach  bithidh  ionndrainn  as 
mo  air  anns  a'  Chomunn  Ghaidhealach  agus 
am  measg  "  Clann  an  Fhraoich."  Tha 
aobhar  aig  a  "  chloinn  "  a  bhi  a'  caoidh  an 
athar,  oir  bha  iad  dha  mar  anail  a  bheatha. 


Litir  Gaisgich  gu  a  Mhathair 

( Air  a  tionndadh  gu  Gaidhlig  leEachann  MacDhughaill,  an  Glaschu) 


BHA  an  litir  a  tha  air  a  foillseachadh  an 
Gaidhlig  an  so  air  a  sgriobhadh  le  gille  6g  a 
bha  am  Feachd-adhair  an  Righ  anns  a' 
chogadh  a  tha  a'  dol  air  aghaidh  an  ceartair. 
Sgriobh  e  i  an  uair  a  bha  e  gun  chnead  gun 
dochunn,  le  inntinn  bhreithneachail,  steidheil, 
a'  cath  as  leth  a  dhuthcha.  Is  ann,  mar  a 
chithear,  gu  a  mhathair  a  bha  i  air  a 
sgriobhadh  ;  ach  cha  do  chuir  e  chuice  i 
aig  a'  cheart  am  anns  an  d'thainig  i  bho  a 
laimh.  An  aite  sin  dh'fhag  e  ordugh  is 
seoladh  gu'm  biodh  i  air  a  cur  'na  laimh 
na'm  b'e  agus  gu'n  cailleadh  esan  a  bheatha 
anns  a'  bhlar. 

Bho  chionn  beagan  uine  air  ais  fhuaras 
farbhais  bho  Riaghaltas  an  Fheachd  Adhair 
gu'n  robh  an  gille  so  gun  sgeul-mhaireann 
air,  agus  gur  docha  gu'n  do  chaill  e  a  bheatha 
anns  an  stri  ;  agus  mar  sin,  a  reir  an  orduigh 
a  runaich  e  fein,  chaidh  an  litir  a  dh'fhag 
e  a  chur  gu  a  mhathair.  Chaidh  an  sin  a 
foillseachadh  anns  a'  phaipear  naidheachd, 
an  "  Times,"  agus  is  coltach  gu'n  do  tharruing 
i  mor  aire,  le  buadh  anabarrach  aig  a  briath- 
rachas   air  na  leugh  i.      Chaidh  eadhon  a 


foillseachadh  am  paipearan  eile  'na  dheidh 
sin  ;  agus  tha  i  an  so  a  nis  air  a  toirt  am 
follais  ann  an  Gaidhlig,  oir  tha  sinn  am 
beachd  gu  bheil  smuaintean  innte  is  cinnteach 
a  ruigeas  cridheachan,  agus  a  thig  a  reir 
inntinnean  iomadh  mathar  eile,  parantan  an 
coitcheannas  cho  math  ri  cairdean  eile  a 
dh'fhag  iadsan  a  thuit  anns  a'  bhlar  'nan 
deidh.    So  agaibh,  mata,  an  litir. — 

"  A  Mhathair  Ghradhach, — Ged  nach  'eil 
mise  a'  toirt  fa-near  aon  smuain  no  dull  air 
droch  ni  sam  bith  a  bhi  anns  an  dan  dhomh 
aig  an  am,  tha  mi  a'  faicinn  gu  bheil  atharr- 
haichean  is  gluasadan  a'  tighinn  oirnn  cho 
ealamh  agus  gu  bheil  mi  a'  gabhail  eala  air 
an  litir  so  a  bhi  air  a  cur  chugaibh  ma's  e 
agus  gu'm  faod  e  tachairt  nach  till  mi  bho 
aon  no  aon-eigin  eile  de  na  cuairtean  adhair 
anns  am  bi  sinn  ag  gabhail  ciiis  an  iiine 
ghearr.  An  deidh  dhuibh  an  litir  so  fhaotainn 
'n  ur  laimh  feumaidh  sibh  bhur  dochas  a 
ghleidheadh  beo  fad  miosa  ;  ach  aig  deireadh 
na  h-uine  sin  faodaidh  sibh  a  ghabhail  gu 
cridhe  gu'n  do  dh'aisig  mise  mo  dhleasnas 
do  lamhan  coilionta  mo  chompanach  anns 


LITIR  GAISGICH  GU  A  MHATHAIR 


an  Fheachd  Rioghail  Adhair,  eadhon  mar  a 
rinn  iomadh  sonn  suairce  a  bharr  orm 
mar  tha. 

Anns  a'  cheud  aite,  is  cinnteach  mi  gu'm 
bi  e  'na  mhor  chomhfhurtachd  dhuibhse  fios 
a  bhi  agaibh  gu'n  robh  dleasanais  arda  an 
earbsa  riumsa  anns  a'  chogadh  so.  Chuidich 
na  buidhnean  anns  an  robh  mi  am  mach 
anns  a'  Chuan  Thuathach  ann  a  bhi  a' 
gleidheadh  nan  sHghean  malairt  fosgaUte  do 
ar  luingeis  is  do'n  chabhlach-mhara  ;  agus 
air  aon  tarruing  dhearbh  an  fhorbhais  a  bha 
sinn  comasach  air  a  sholar  a  bhi  'na  mheadhon 
air  beatha  dhaoine  a  thearnadh  ann  am  bata- 
freasdail  nan  tighean-soluis  a  bha  air  a  cur 
bho  fheum. 

Ged  a  tha  lan-fhios  agam  gu'm  bi  an  ni  sin 
duUich  dhuibhse  a  dheanamh,  dh'aslaichinn 
oirbh  a  nis  a  ghabhail  gu  cridhe  gu'n  cuireadh 
e  campar  ormsa  a  bhi  a'  smaoineachadh  gu'n 
sealladh  sibhse  air  ciiisean  mar  a  thig  iad 
mu'n  cuairt  an  doigh  sam  bith  eUe  ach  le 
inntinn  shuidhichte  ;  oir  bithibh  cinnteach 
gu'n  dean  mise  mo  dhleasanas  cho  fada  's 
a  bhios  sin  'n  am  chomas  :  chan  'eil  aon  ann 
is  urrainn  an  corr  a  dheanamh,  agus  cha 
mho  is  Ian  dhuine  esan  leis  am  foghainn 
na's  lugha. 

Bha  meas  mor  agam  riamh  air  bhur  n-ard 
mhisneach  ann  a  bhi  a'  cur  aghaidh  air  gach 
cnap-starra  a  thigeadh  'n  ur  rat  had,  an 
doigh  anns  an  d'thug.  sibh  dhomhsa  sgoil  is 
ionnsachadh  cho  deas  's  a  bha  air  a  luigh- 
easachadh  do  aon  eile  anns  an  duthaich  ; 
agus  fad  na  h-iiine  sibh  ag  cumaU  suas  bhur 
cinn  fein  de'n  amal  gun  bhur  n-earbsa  no 
bhur  duil  a  chall  a  thaobh  an  ama  a  bha 
air  thoiseach  oirnn.  Ach,  ged  tha,  na  saoiHbh 
gu  bheil  mo  bhas-sa  a  nis  a'  ciallachadh  gu'n 
robh  bhur  stri  as  mo  leth  gun  sta !  Is  fada 
bhuaith  sin  e.  Is  ann  a  tha  e  a'  ciallachadh 
gu'n  robh  am  fein-aicheadh  a  rinn  sibhse 
eadhon  co-ionnan  ris  na  rinn  mise  as  leth 
mo  dhiithcha.  Is  e  mo  shar-bheachd  nach 
bu  choir  gu'm  biodh  siiil  aon  sam  bith  a 
dh'iocas  ni  air  sgath  a  dhixthcha  ri  duals  a 
thighinn  'na  chois  :  tha  sinn  a'  call  ar  meas 
oirnn  fein  mur  'eil  sinn  a'  sealltainn  air  ar 
duthaich  air  mhodh  na's  airde  na  mar  ionad 
anns  an  ith  is  an  caidil  sinn ! 

Tha  sinn  an  diugh  le  ar  n-aghaidh  ris  an 
teugmhaU  is  an  dubhlain  as  dobhaidh  a  sheas 
riamh  far  comhair,  is  sin  bho  namhaid  a 
dh'eirich  gu  cath  a  chur  ruinn  le  aonachas 
a  tha  ana-cneasda,  agus  gu  coicheid  a  chur 
air  a'  chreideamh  Chriosdaidh  is  gach 
calachadh  a  rinn  an  cinne-daonna  bho'n  a 


chruthaicheadh  an  saoghal ;  agus  tha  mise 
'g  am  chunntas  fein  an  ceum  an  rath  ann  a 
bhi  aig  aois  duinealais  is  lan-uidheamaichte 
gus  mo  neart  a  thoirt  do'n  stri  air  taobh  a*^ 
cheartais.  Agus  an  so,  mar  an  iomadh  seol 
eile,  tha  mo  bhuidheachas  agaibhse  a  dh'aiseig 
dhomh  is  a  chuir  fo  m'  chuimrig  an  comas  sin. 

Ach  fathast  tha  an  tuiUe  saothair  ri  a 
tagar  bhuaibhse.  Tha  an  dachaidh  r'a 
cumail  gun  bheum  is  gu  laidir  air  a  bunait, 
agus  aonaichte  re  nam  bliadhnachan  a  tha 
air  thoiseach  oirnn  an  deidh  do'n  bhuaidh- 
laraich  a  bhi  air  a  toirt  a  mach  anns  a'  chogadh. 

A  dh'aindeoin  gach  ni  a  theirear  'na 
aghaidh,  is  e  mo  bheachd-sa  gu  bheil  fheum 
fein  anns  a'  chogadh.  Tha  an  comas  aig 
gach  aon  fa-leth,  co-ionnan  ris  na  martaraich 
bho  shean,  gu  seasamh  suas  le  a  bheatha  'na 
14imh,  agus  as  leth  a'  cheartais  an  aghaidh 
an  droch  cumhachd  so  a  thuirling  oirnn. 
Agus  ciod  air  bith  cho  fada  'g  am  bi  an  uine 
gus  an  crath  sinn  dhinn  an  cumhachd  so  a 
leum  oirnn,  tha  aon  ni  nach  gabh  atharrach- 
adh,  agus  is  e  sin  gu  bheil  mo  bheo  agamsa 
mar  Bhreatannach  ;  agus  coinnichidh  mi  ri 
m'  bhas  anns  an  spiorad  sin.  Chan  fhiach 
dad  eile  tromp  gun  teanga,  agus  chan 
atharraich  e  ni ! 

Chan  'eU  math  dhuibh  a  bhi  ri  bron  'g  am 
thaobh,  oir  ma  tha  sibh  a'  ereidsinn  anns  an 
diadhachd  agus  gach  ni  a  tha  ar  creideamh 
a'  ciallachadh  dhuinn,  chan  'eil  ann  aicheadh 
air  brigh  ar  beachdan.  Chan  'eil  eagal  sam 
bith  ormsa  roimh  an  bhas  ;  is  ann  a  tha 
nadur  de  thogail  inntinn  is  de  fhiughair  air 
coir  a  ghabhail  air  m'aigne,  agus  chan 
iarrainn  a  bhi  an  atharrachadh  beachd. 
Tha  an  cruthachadh  is  an  cruinne-ce  cho 
farsuing  agus  cho  aos-lathach  agus  nach  'eU 
ach  aon  aobhar  air  gu'm  biodh  duine  a' 
faotainn  cothrom  air  a  bhi  beo  idir,  agus  is 
e  sin  am  feum  a  ni  e  dhe  fein,  is  an  doigh 
anns  an  iobair  e  suas  a  bhith  air  sg^th 
ceartais.  Tha  sinn  air  ar  suidheachadh  anns 
an  t-saoghal  so  gu  a  bhi  a'  faotainn  bith  is 
shubhailcean,  agus  gu  ar  cuid  fein  a 
dheanamh  dhiubh  a  chum  is  nach  gabh 
iad  toirt  bhuainn.  Chan  'eil  iadsan  a  tha 
direach  ag  itheadh  's  a'  cadal,  a'  faotainn 
air  an  aghaidh,  is  a'  gintinn  an  gne  fein  gu 
sitheil,  gun  dragh  air  an  t-saoghal,  agus  gun 
an  corr  ach  sin,  ach  mar  na  h-ainmhidhean 
is  briiidean  na  machrach. 

Tha  mi  de'n  lan-bheachd  is  de'n  chinnt- 
bheachd  gu  bheil  an  t-olc  air  a  chur  do'n 
t-saoghal  gu  ar  dearbhadh,  gu  bheil  e  air  a 
chur  a  dh'aon  run  leis  a'  Chruitheir  air  a' 


LITIR  GAISGICH  GU  A  MHATHAIR 


cheann  shonraichte  so,  a  chionn  gur  aithne 
dhasan  gu  bheil  ar  dearbhadh  mar  so  gu  ar 
math.  Tha  am  Biobull  loma-lan  de  eise- 
amplairean  air  far  a  bheil  an  doigh  fhurasda 
gu  faotainn  am  mach  a  staing  air  a  tilgeadh 
an  leth-taobh,  agus  an  t-slighe  a  tha  ceart, 
ach  duilich,  air  a  roghainn  air  sgath 
fireantachd. 

Tha  mi  'g  am  chunntas  fein  fortanach  ri 
linn  is  gu'n  d'fhuair  mi  sealladh  air  moran 
de'n  tir  so,  agus  gu'n  d'fhuair  mi  eolas  air 
daoine  de  gach  ceird  is  inbhe.  A  nis,  leis  aji 
uidheamachadh  a  rinn  an  cogadh  air  m'aigne 
mar  cheann-finid  do  m'oileanachadh,  tha  mi 
am  beachd  gu  bheil  mi  air  mo  lan-fhoghlum. 
Mar  sin,  eadhon  aig  an  aois  aig  a  bheil  mi, 
tha  crioch  mo  dhleasanais  anns  an  t-saoghal 
so  anns  an  amharc  ;  agus  tha  mi  deas  air 
cheann  bais — ma's  e  sin  mo  dhan — gun 
aithreachas,  gun  mo  shuil  am  dheidh  ach 
air  aon  aobhar  a  mhain.  Is  e  sin  nach  do 
luigheasaicheadh  dhomh  a  bhi  air  m'fhagail 
gu  bhur  laithean  deireannach  fein  a  bhi 
beagan  na  b'fhasa  dhuibh  le  mi  a  bhi  'nur 
comunn  is  'nam  chul-taic  dhuibh  ann  am 
feasgar  bhur  la.  Ach  bidh  a  nis  bhur  beatha 
saor  dhuibh,  agus  bidh  sith  agaibh  ;  agus 
anns  an  t-suidheachadh  sin  anns  a  bheil 
sibh,  bha  mise  rud  beag  'n  am  mheadhon 
air  sin  a  bhi  mar  bheannachadh  agaibh. 
Chan  'eil  an  corr,  a  nis,  bhuam  ;  agus  mar 
sin  cha  robh  mo  chuairt  anns  an  t-saoghal 
idir  gun  sta. 

Bhur  Mac  Gradhach." 

Sin  agaibh,  mar  a  tha  mise  a'  creidsinn, 
smuaintean  diomhair  cridhe  mic — gaisgeach 
gu  chill,  ri  aghaidh  blair.  Is  e  gille  Sasunnach 
a  bha  ann,  aon  de  iomadh  mile  eile  a  bha 
is  a  tha  a'  cath  anns  an  stri  ;  agus  tha  a' 
mhacraidh  Albannach  againn  fein  uasal  as 
an  luigheasachadh  a  rinneadh  dhoibh  seasamh 
ri  an  taobh-san  as  leth  a'  cheartais.  Seadh, 
sin  agaibh  smuaintean  cridhe  a'  mhic 
Shasunnaich  ;  agus  gus  an  dealbh  a  tha 
mise  a'  feuchainn  ri  a  tharruing  a  chur  fo 
bhur  comhair-se  'na  lanachas,  nach  faodainn, 
a  nis,  smuaintean  na  mathar  Ghaidhealaich, 
le  a  mac  fein  a'  tarruing  gu  blar,  a  chur  sios 
maille  ris  an  litir  ud.  Chan  fhios  domhsa  c6 
a'  mhathair  a  bha  an  so,  c'  uin  a  bha  i  bed, 
no  ciod  am  blar  ris  an  robh  a  macan  a' 
cuimseachadh  a  cheuma  ;  ach  tha  dochas 
againn  gur  ann  as  leth  duinealais  is  air 
taobh  a'  cheartais  a  bha  e  air  ti  a  lann  a 
tharruing. 


ACHAN  MATHAR  ROIMH  AN  CHATH 

( Laoidh  a  fhuair  am  fear  nach  maireann, 
Alasdair  MacGhille  MMcheil,  an  ait-eigin.) 

"  Tha  an  iubhrach  's  a'  chuan,  a  ghraidg  ; 

Tha  an  traigh  Ian  de  m'  dheoir  ; 
Tha  Cnoc  na  Faire  'na  ghual,  a  ghraidh, 
Tha  farum  nan  ramh  'san  6b. 
Am  fear  nach  tiU,  a  ghraidh, 

cha  bheo,  cha  bhed ! 
Am  fear  nach  till,  a  ghrMdh, 
cha  bheo,  cha  bheo  ! 

Tha  sair  'nan  siubhal,  a  ghraidh, 

Mar  ghairich  nan  tonn  ; 
Is  balbh  an  tuiream,  a  ghraidh, 
Is  ard  am  fonn  ; 

'S  mur  till  thu  tuillidh,  a  ghraidh, 
is  geal  bas  nan  sonn. 

Cha  bhi  mathair  mo  mhic  's  an  streup, 

Ach  bidh  Mathair  Mhic  Dhe  's  an  streup ! 
0,  a  Mhathair  nan  gras, 
Fhuair  do  Mhac-sa  tair  agus  teum  : 
Na  leig  air  macan  mo  ghraidh 
lapan  am  blar  nam  beum ! 

Cha  bhi  athair  mo  luaidh  'san  ar, 

Ach  bidh  Athair  nam  Buadh  'san  ar. 
0,  Athair  na  caoimh, 

Air  sgath  do  Mhic  Naoimhe  Cheusd', 
Na  leig  air  gineamhuin  mo  chuim 
masladh  air  luim  an  eig ! 

Cha  bhi  comhdhalta  m'ogain  'sa'  bhlar, 

Ach  bidh  Comhdhalt'  nan  onrach'  sa'  bhlar. 
0,  losa,  a  Mhic  mo  Dhe, 
Ort  fein  rinneadh  an  tair  : 

Na  leig  air  muinghinn  mo  chleibh 
reubadh  am  beum  nam  blar ! 

Cha  bhi  Brianag  mo  ruin  's  an  triall, 

Ach  bidh  Spiorad  an  iiiil  'san  triaU. 
0,  a  Spioraid  Naoimh  na  treoir, 
A  lochrain  foil  nam  fial, 

Na  leig  air  ionmhuinn  mo  chro 
Bhi  'na  dhaUaran-ceo  'san  triaU ! 


Dh'fhalbh  thu,  a  mhacain  mo  ghraidh, 

Tha  do  dhan  an  sgaU  an  sgeo  ; 
Tha  reul  na  h-oidhche  fo  smal,  a  ghraidh, 
Tha  Caoineag  nan  earn  fo  bhron. 

Ma's  bas  dhuit,  a  leanaibh  mo  ghraidh, 
biodh  do  chadal  air  laimh  na  h-Oigh  ;, 
Ma's  bas  dhuit,  a  leanaibh  mo  ghraidh, 
biodh  do  chadal  air  laimh  na  h-Oigh !  " 


Sceillig  Mhicheil 

Le  Calum  MacGilleathain,  M.A.,  anns  an  Toisigheachd 


SO  aon  de  fhior  eileanan  iomallach  a  chuain 
a  tha  mu  astar  mile  a  mach  o  Cheann 
Bholais  an  Ibh  Rathach  air  fior  cheann  an 
iar^dheas  Eireann.  Ach  tha  da  eilean  araid 
ann,  an  Sceillig  Mhor  agus  an  Sceillig  Bheag. 
Chan  'eil  's  an  Sceillig  bhig  ach  staca  lorn 
corrach  builleach,  agus  ged  nach  'eil  moran 
talaimh  air  an  Sceillig  Mhoir  chan  'eU  i  idir 
cho  beag  lorn  sin.  Agus  is  ann  air  an  eilean 
is  motha  tha  a'  chunntais  bheag  so  agam. 
Comhnard  farsuinn  aite  air  barr  togte  calaid 
creige. 

Chan  'eU  fhios  agam  de  a  b'aobhar  dha 
ach  tha  eileanan  beaga  creagach  an  caochladh 
aiteachan  air  corsa  an  iar  na  h-E6rpa  air  an 
ainmeachadh  air  Micheal.  Tha  iad  so  an 
Eirinn  ann,  tha  carraig  eile  de  eilean  aca  air 
ceann  an  iar-dheas  Shasuinn,  an  Cornual  ; 
tha  a  samhuil  eile  air  cladach  Frangach,  agus 
a  samhuil  eile  air  cladach  Eadailteach.  Chan 
'eil  fhios  agam,  ach  a  reir  coltais  bha  na 
h-aiteachan  ud  ainmeil  mu'n  robh  iad  riamh 
Criosdail.  Is  docha  gur  e  an  t-Ard-aingeal 
Micheal  a  tha  's  an  ainm.  Cionnus,  ma  ta, 
a  thigeadh  a  leithid  de  ainm  chuca  uile  ? 
Co  is  urrainn  a  radh  ?  Ach  chan  'eU  teagamh 
nach  robh  eolas  glan  aig  maraichean  Thiruis 
agus  Shidoin  agus  aig  an  sliochd,  is  e  sin  na 
Phoenicich  agus  na  Cartagaich,  air  na 
cladaichean  so  againne  air  a  bheil  na 
h-ainmeannan. 

Aitean  aoraidh. 

Tha  eachdraidh  na  h-Iar-E6rpa  againn  's 
na  sgoUean  a'  toiseachadh  gu  ro-mhinic  le 
teachd  nan  Romanach  agus  le  lulius  Caesar, 
ach  tha  fhios  againn  gu'n  robh  am  Muir 
Meadhoin,  agus  eadhon  iomallan  a'  Chuain 
Shiar,  fo  na  raimh  aig  seorsachan  eile  dhaoine 
mu'n  do  thogadh  riamh  ramhach  's  an  Roimh. 
Faodaidh  e  bhith,  ceart  gu  leoir,  gu'n  robh  na 
h -eileanan  creagach  iomallach  aig  maraichean 
air  tus,  mar  a  tha  iad  aca  cheana  fhein,  'n  an 
comharran  's  'n  an  treoir  's  iad  a'  seoladh 
thairis.  Tha  tigh-soluis  maith  air  Sceillig 
Mhicheil  a  nis,  fear  cho  feumail  agus  a  tha 
air  cladach  Eireannach,  agus  tha  amharus 
agam  fhein  nach  ann  'na  ni  tur  iir  a  tha  solus 
na  Sceillige.  Agus  is  docha,  a  ris,  gu  bheU 
comh-cheangal  eadar  sin  agus  ni  eUe,  gu'n 
robh  an  Sceillig  Mhor  'na  aite  aoraidh,  cian 
roimh  Hnn  Phadraig.  Tha  ni  eigin  de 
ionghnadh  agus  de  uamhann  an  taice  ri 
sealladh  aite  mar  an  Sceillig,  agus  bu  chruaidh 
an  cridhe  air  nach  cuireadh  araon  an  Sceillig 
agus  laraichean  loma  eile  fas  a  dh'fhag  na 
Draoidhean  an  Ciarraighe  an  Eirinn  smuain. 


An  sud  feadh  cheudan  bliadhna  bha  daoine 
cho  dliith  air  a'  Chruithfhear  agus  a  bheireadh 
na  nithean  a  tha  faicsinneach  iad  ;  mor- 
dhalachd  is  neart  nan  sleibhtean  ;  farsuinn- 
eachd  is  meud  a'  chuain  ;  aonaranachd  is 
airde  is  tearmunn  binn  cuan-eilean  air  a 
chuairteachadh  air  gach  taobh  le  creagan 
cruaidhe  ag  eirigh  o  dhoimhne  an  dubh- 
aigein,  agus  a'  toirt  an  diibhlain  do  ionn- 
saighean  gar  bha  borba  a'  Chuain  shiar  air 
nach  tig  clos.  Co  is  urrainn  a  radh  nach 
robh  daoine  'n  am  measg  sud,  iomallach  agus 
aineolach  air  moran  a  tha  aig  clann  na  sgoUe 
bige  nis  agus  mar  a  bha  iad,  a  thainig  a 
steach  fo'n  fhacal  aig  Pol  agus  e  sgriobhadh. 

"  Oir  riamh  o  chruthachadh  an  t-saoghaU 
tha  a  nithe-san  nach  faodar  fhaicinn,  eadhon 
a  chumhachd  siorruidh,  air  am  faicinn  gu 
soilleir,  air  dhaibh  bhith  so-thuigsinn  o  na 
nithean  a  rinneadh."  "  Ach  anns  gach  uUe 
chinneach  tha  an  neach  air  a  bheU  eagal-san, 
agus  a  tha  ag  oibreachadh  fireantachd, 
taitneach  dha." 

Ach  thainig,  a  reir  a'  gheallaidh,  "  Solus 
Mor,"  agus  fhuair  sliochd  na  draoidheachd 
eolas  air  "  Gloir  Dhe  an  gnuis  losa  Criosd," 
agus  ri  linn  Phadraig  dh'iompaicheadh 
Gaidheil  na  h- Eireann  gu  Criosd.  Bha 
aiteachan  ann  bu  luaithe  a  thionndaidh  na 
a  cheUe,  agus  is  docha  nach  robh  An  Sceillig 
air  an  aite  bu  luaithe,  ach  thainig  "  muinntir 
na  carraige  "  gu  bhith  seinn  cliu  an 
t-Slanuigheir  le  an  uile  chridhe,  agus  thainig 
an  Sceillig  gu  bhith  iomraiteach  's  an  Eaglais 
Eireannaich.  Ghabh  na  manaich  aite  nan 
draoidhean.  Bha  mu  thri  acraichean  de 
thalamh  reidh  air  an  fhior  mhullach  agus 
e  uair-eigin  'n  a  thalamh-aitich,  ach  is  docha 
gur  ann  a  tir-mor  a  bha  a'  mhor-roinn  de  am 
beo-shlaint  a'  tighinn.  Cha  robh  an  tir  sin 
fad  air  falbh  ;  agus  cha  robh  iasg  na  mara 
ach  mu  na  creagan  an  comhnuidh.  Tha 
fior-uisge  ri  fhaotainn  an  tobraichean  air  an. 
fhior  mhullach. 

Tha  an  Sceillig  Ian  de  sheann  laraichean, 
cuid  aca,  reir  coltais,  na  's  sine  na  linn  na 
Criosdachd  ;  laraichean  bhothan  ;  laraichean 
chaibeal ;  larach  manaistir  ;  agus  clachan 
aig  am  biodh  naidheachd  da  riribh  na'n 
gabhadh  i  sgriobhadh.  Tha  clach  ann  agus 
bhithte  a'  dortadh  fion  aon  uair  'sa'  bhliadhna 
oirre  ;  agus  tha  mi  an  duil  nach  b'ann  's  an 
t-soisgeul  a  fhuaireadh  an  cleachdadh  sin, 
agus  tha  mi  an  duil  gu'n  robh  an  cleachadadh 
sin,  ged  is  e  bainne  chruidh  bu  trice  bhiodh 
aig  daoine,  a'  dol  air  feadh  na  Gaidhealtachd 
's  gach  linn,  agus  cha  d'  rachainn  an  urras 


6 


SCEILLIG  MHICHEIL— AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


nach  'eil  e  deante  fhathast,  ged  nach  'eil 
fhios  aig  daoine  car  son.  Is  e  pairt  de'n 
t-seann  aoradh  phaganach  a  bha  ann.  Agus 
bha,  agus  tha,  tuilleadh  dheth  ann.  Sin  aon  > 
ni  bha  duilich  cur  as  da  gu  tur,  gu  h-araid  an 
uair  a  ghlac  a'  Chriosdachd  seann  ionadan 
aoraidh  nan  draoidhean. 

An  turns. 

Tha  ni  aca  an  Eirinn  gu  ruige  so  air  a 
bheil  "  an  Turus  "  aca.  Bha  sin  cumanta 
riamh  an  iomadh  crabhadh  ge  b'  e  air  bith 
de  an  t-ainm  a  bhiodh  air.  Is  e  an  turus  is 
iomraidiche  's  an  t-saoghal  an  diugh  an  turus 
aig  luchd-leanmhainn  Muhamaid  gu  Mecca. 
Is  iomadh  seoladair  Gaidhealach  a  dh-inn- 
seadh  duinn  an  t-amhghar  a  tha  aig  daoine 
dubha  is  buidhe  dheth  a'  dol  'n  am  miltean 
mile,  agus  cuid  aca  air  fairge  stoirmeil,  feuch 
an  ruig  iad,  aon  uair  de  am  beatha,  priomh- 
chathair  an  crabhaidh.  Tha  fhios  againn 
gu'm  bu  ni  coitchionn  so's  a'  Chriosdachd  's 
an  mheadhon-linn.  Tha  cuimhne  againn  air 
mar  a  bhiodh  daoine  a  Albainn,  mar  sin,  a' 
dol  gu  lerusalem  agus  air  mar  a  dh'fhairtlich 
sin  air  Brus.  Tha  cuimhne  againn  air  an 
iomradh  a  dh'fhag  Chaucer  air  an  turus  gu 
Canterbury.  Chan  'eil  na  turusan  sin  ann, 
mar  sin,  's  an  Eaglais  Phrostanaich,  agus 
tha  mi  an  duil  nach  'eil  an  call  mor  ;  tha  e 
cho  furasda  iodhol-aoraidh  a  dheanamh  de 
aite  agus  a  tha  e  dheanamh  de  ni  eile  ;  agus 
is  e  an  t-Abstol  Pol  a  thuirt  am  facal  deiridh 
mu'n  iodhol  "  Chan  'eil  's  an  iodhol  ach 
neg-ni." 

Cha  robh  Turus  na  Sceillige  'n  a  shugradh. 
Gun  tighinn  air  an  aiseag  bu  ghnothuch 
gabhaidh  e  cas  is  beatha  fhaotainn  air  tir 
's  a'  chreig,  agus  bu  streup  thapaidh  e  dhol 
suas  aghaidh  na  creige  gu  a  barr,  gu  h-araid 
aig  seann  daoine  is  mnathan. 

B'e  deireadh  iomlan  an  turuis  seasamh  air 
a'  Bhior — stob  caol  fada  mach  o  bharr  an 
eilein  os  cionn  na  fairge,  agus  gun  ach  leud 
do  dha  bhroige  's  a'  bhior !  Bha  uair  a  bha 
an  turus  so  cumanta  an  Deas-mhumhainn. 
Chan  'eil  a  nis. 

Laithean  iargalta. 

Tha  seanchas  nach  beag  o  shean  air  an 
Sceillig.  A  reir  sgeul  nan  seann  Ghaidheal 
orra  f  hein  is  ann  as  an  Spainnt  a  thainig  iad 
gu  ruige  Eirinn,  agus  air  an  turus  eile  sin 


bhathadh  Ir  mac  Milidh  aig  an  Sceillig.  Co 
dhiu  bhath  no  nach  do  bhath,  is  iomadh 
maraiche  crodha  a  chaidh  a  bhathadh  aig  an 
dearbh  Sceillig.  Chunnaic  an  Sceillig  la 
garbh  iargalta  eile  an  uair  a  thug  na  Loch- 
lannaich  ionnsaigh  oirre,  mar  a  thug  iad  air 
gach  nead  Chriosdail  eile  air  an  ruigeadh  iad. 
Is  eigin  nach  robh  e  mar  chleacdadh  aig 
manaich  a  bhith  deanamh  cath  no  comhrag, 
oir  bu  bheag  a'  ghaisge  aig  fir  air  an  Sgeillig 
daoine  eile  thigeadh  o  mhuir  a  chumail  shios. 
Thug  iad  a'  cheud  ionnsaigh  oirre  an  812. 
A'  chuid  de  na  manaich  nach  do  mhort  iad 
fhuair  iad  bas  leis  an  acras.  An  823  thug 
iad  an  dara  ionnsaigh  oirre  agus  thug  iad 
leotha  an  t-Ab,  Eitgal,  agus  fhuair  e  bas  'n 
am  measg.  'S  a'  bhHadhna  838,  air  an  treas 
ionnsaigh,  loisg  is  sgrios  iad  gach  ni  a 
ghabhadh  miUeadh  air  an  eilean.  Ach  cha 
do  chuir  sin  crioch  air  cliu  na  Sceillige.  Agus 
an  uair  a  dh'iompaicheadh  na  Lochlannaich, 
mar  a  rinneadh,  thug  iadsan  iad  fhein  urram 
do'n  aite.  Tha  cuid  ag  radh  gur  ann  air  an 
Sceillig  a  bhaisteadh  Olabh  Trigbhason,  aon 
de  righrean  mora  Lochlainn  ;  agus  tha  a 
leithid  eile  air  aithris  air  Olabh  6g,  a  mhac, 
neach  a  bha  cho  ainmeil  mar  Chriosdaidh 
agus  gu'n  robh  a  chliii  air  feadh  an  t-saoghail. 
Chan  'eil  iomradh  cinnteach  againn  air  c'uin 
no  car  son  a  threigeadh  an  Sceillig  fa 
dheireadh.  A  reir  coltais  bha  daoine  innte 
gu  ruige  1300  is  corr. 

Tha  aon  ni  comh-cheangailte  ris  an  Sceillig 
a  chum  ainm  an  eilein  riamh  buan  an  Eirinn. 
Is  e  manaich  na  Sceillige  na  daoine  mu 
dheireadh  an  Eirinn  a  sheas  an  aghaidh  na 
cunntais  uire  a  chuir  a  leithid  de  dhragh 
air  an  Eaglais  CheUtich,  agus  a  rinn  a 
leithid  de  bhuaireadh  innte  mu  laithean 
feiUe  na  Caisge.  Agus  d'  fhag  sin  uaireannan 
a'  Ch4isg  air  an  Sceillig  seachduin  no  dha, 
is  uairean  eadhon  tri,  air  dheireadh  air  a' 
Chaisg  anns  a'  chuid  eile  de  Eirinn. 

Cha  deante  posadh,  's  an  t-seann  Eaglais, 
ri  linn  a'  Charghais  ;  ach  duine  nach  biodh 
riaraichte  leis  an  lagh  sin  an  Eirinn  cha  robh 
aige  ach  a  dhol  chun  na  Sceillig  far  nach 
cuireadh  an  t-am  grabadh  air ;  agus  is 
ionnan  "  a  dhol  chun  na  Sceillig  "  an  Eirinn 
agus  a  bhith  trath  gu  leoir !  No  bhith  an 
am  an  an-am. 


An  Tigh  Mor  nan  uiseag 


Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Tigh-an-uillt 

am  bochd  's  ani  beartach  a'  comhradh  ri 
cheile  cho  braithreil  's  gu  bheil  na  seann 
gharaidhean-criche  a  bha  eatorra  air  am 
briseadh  sios. 


THA  fhios  gu'n  d'thug  daoine  eile  cho 
math  riumsa  an  aire  cho  cairdeil  's  a 
tha  daoine  ri  cheile  aig  am  mar  so  nuair 
tha  sinn  uile  ann  an  cumiart :    gheibh  thu 


AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


Thachair  a  cheart  ni  anns  a'  Chogadh  Mhor 
bho  chionn  sia  bliadhna  fichead  air  ais ; 
gheibheadh  tu  an  t-iochdaran  's  an  t-uach- 
daran  'nan  seasamh  ri  guaillibh  a  cheile 
ri  aghaidh  na  namhaid  mar  gu'm  biodh 
braithrean  ann  ;  's  e  an  aon  seorsa  eididh 
a  bha  'g  an  comhdach  's  chan  fhaiceadh  tu 
eadar-dhealachadh  sam  bith  eatorra,  ach  cho 
luath  's  a  bha  an  cunnart  seachad  bha  na 
seann  gharaidhean-criche  air  an  togail  a  ris. 
Ann  an  laithean  na  sithe  chan  'eil  an  aon 
chairdeas  's  an  aon  bhraithreachas  idir  eadar 
am  bochd  's  am  beartach. 

Ach  ma  tha  na  nithean  sin  soilleir  anns  na 
bliadhnachan  so,  bha  iad  moran  na  bu 
shoilleire  bho  chionn  leth  cheud  bliadhna 
air  ais  ;  is  gann  a  shealladh  uachdaran  air 
duine  bochd,  's  cha  bu  mhath  leis  idir  gu'm 
biodh  am  bochd  a'  togail  a  chinn  anns  an 
t-saoghal,  ach  dh'fhalbh  an  latha  sin  's  cha 
till  e.  Car  son  nach  coinnicheadh  am  beartach 
agus  am  bochd  a  cheile  mar  bhraithrean,  nach 
e  an  Tighearn  a  rinn  iad  gu  leir  ? 

Am  ministear  Gaidhealach. 

Is  e  thug  dhomh  tighinn  thairis  idir  air  na 
na  nithean  a  dh'ainmich  mi,  sgeul  a  chuala 
mi  bho  dhuine  firinneach  bho  chionn  ghoirid 
air  na  droch  laithean  a  dh'fhalbh  ;  sgeul  a 
dh'fhag  iomadh  neach  ann  an  sgir  an 
Lagain-Mhoir  fo  phramh. 

Bha  an  sgeul  air  a  h-innseadh  le  fear  a 
chuir  seachad  iomadh  bliadhna  ann  an  tigh 
ris  an  canadh  each  Tigh  Mor  nan  Uiseag,  a' 
toirt  an  aire  air  luchd-cuthaich.  Air  an 
aireamh  aca  bha  ministear  Gaidhealach,  's 
bhiodh  e  air  uairean  a'  dichuimhneachadh 
c'aite  an  robh  e,  's  bheireadh  e  dhaibh 
searmon  math  Gaidhlig  mar  gu'm  biodh  e 
a'  teagasg  ann  an  cdbaid  Eaglais  an  Lagain- 
Mhoir. 

Cha  robh  anns  a'  mhinistear  ach  duine  a 
thainig  bho  dhaoine  bochda  's  bhris  air  a 
shlainte  le  anacothrom  is  cion  airgid  mu'n 
d'thug  e  mach  foghlum  is  aran  glan.  Uime 
sin  bha  e  a'  tuigsinn  gu  math  cor  nam  bochd 
a  bha  ann  an  sgir  an  Lagain-Mhoir  far  an 
robh  e  air  a  shuidheachadh  mar  mhinistear 
an  t-Soisgeil. 

Cha  robh  e  idir  a'  creidsinn  gur  e  ni  cearr 
a  bha  ann  do  dhuine  a  dhol  gu  loch  no  gu 
abhainn  a  dh'iasgach,  's  breac  no  bradan  a 
thoirt  dhaehaidh.  Bha  e  fein  gle  dheidheil 
air  iasgach  's  cha  robh  cothrom  a  gheibhadh 
e  nach  biodh  e  mach  le  shlait,  's  cha  do 
smuainich  e  riamh  gu'n  robh  e  a'  deanamh 


ni  ce^rr.  Theireadh  e  fein,  "  nach  e  Dia  a 
chuir  am  fiadh  anns  an  fhireach,  an  t-iasg 
anns  an  uisge,  's  an  t-eun  air  sgeith,  air  son 
biadh  do'n  duine,  's  chan'eil  speis  aige  do 
phearsa  duine  seach  a  cheile  ? 

Chual  an  t-uachdaran  na  beachdan  a  bha 
aig  a'  mhinistear  agus  an  teasgag  a  bhiodh 
aige  air  feidh  's  air  brie  is  bradain,  's  bhoidich 
e  na'm  faigheadh  esan  greim  air,  air  na 
h-uisgeachan  aige-san,  gu'n  deanadh  e  ball- 
sampuill  dheth  ann  an  Tigh-na-Ctiirte. 

Am  Ministear  agus  am  bradan. 

Aon  latha  thug  am  ministear  leis  an 
t-slat-iasgaich  aige,  's  gu'n  sireadh  gun 
iarraidh  thog  e  air  gu  Abhainn-nam-Breac 
Reamhar.  Bha  gaoth  is  grian  'n  a  fhabhar, 
's  an  t-iasg  a'  gabhaU  gu  mhiann,  ach  mar 
bha  mi-fhortan  an  dan  thainig  an  geamair 
air,  's  thug  e  uaithe  an  t-slat  's  an  t-iasg. 
Chan  f  hoghnadh  ach  am  ministear  a  tharruing 
gu  cuirt. 

Nuair  thainig  an  latha  mor  chruinnich  gach 
sean  is  6g  's  an  sgir  do  Thigh-na-Ciiirte  feuch 
am  faiceadh  's  an  cluinneadh  iad  air  an  son 
fein  gach  ni  a  thachradh.  Nuair  shuidh  a' 
Chuirt  labhair  fear-lagha  an  uachdarain  gu 
sgaiteach  an  aghaidh  a'  mhinisteir,  's  thuirt 
e  gur  e  ni  narach  maslach  a  bha  ann  fear  a 
chota  's  a  dhreuchd  a  bhi  air  a  ghlacadh  ri 
gadachd,  's  chan  e  a  mhain  sin  ach  bha  e  a' 
cur  dhaoine  eile  air  seachran  le  teagasg  nach 
robh  aon  chuid  ceart  no  faUain.  Thuirt  e 
nach  biodh  ceartas  air  a  riarachadh  na'm 
faigheadh  e  as  le  earn.  Is  e  am  bun  a  bha 
aig  a'  chuis  gu'n  d'fhuair  am  ministear  coig 
latha  deug  priosain. 

Nuair  chunnaic  e  mar  dh'  eirich  dha 
thoisich  dragh  inntinn  air,  's  cha  robh  e  a' 
faotainn  cadal  na  h-oidhche  air  leaba  chruaidh 
a'  phriosain,  's  mu'n  d'thainig  ceann  nan  coig 
latha  deug  chaidh  e  as  a  rian,  's  dh'fhalbh 
iad  leis  do  Thigh-mor  nan  uiseag  far  an  dp 
chuir  am  fear  a  dh'innis  an  sgeul  air  tus 
eolas  air. 

Bha  e  gun  lochd  do  neach  fo'n  ghrein, 
ach  nuair  bhiodh  a'  ghealach  na  h-aird 
dh'fheumadh  iad  suil  a  chumail  air  mu'n 
deanadh  e  cron  air  fein.  Bhiodh  iad  'g  a 
chluinntinn  air  am  mar  sin  a'  glaodhaich  gu 
h-oillteil,  "  tha  thu  agam  a  nis,  so  an  turus 
air  nach  teid  thu  as,  bidh  am  bradan  daor 
dhuit,  eucoraich  tha  thu  ann!"  An  sin 
leumadh  e  air  fhaileas  fein  leis  na  diiirn,  's 
dull  aige  fad  na  h-uine  gur  e  an  t-uachdaran 
a  bha  aige. 


AN  TIGH  MOR  NAN  UISEAG 


Na  gillean  Gaidhealach. 

Bha  dithis  de  ghillean  Gaidhealach  's  an 
Tigh  Mhor  a  bhiodh  a'  dol  a  mach  air  sraid 
le  mu  dha  fhichead  de  na  daoine  air  son  gu'n 
cnamhadh  iad  am  biadh  agus  gu'm  faigheadh 
iad  fein  is  each  fois  na  h-oidhche.  Air 
amannan  gheibheadh  iad  cead  suidhe  ri  taobh 
an  rathaid  mhoir  a  leigeil  an  analach,  oir  ged 
bha  na  cinn  aca  uile  gu  math  eutrom  bha  na 
casan  aig  moran  dhiubh  air  fas  slaodach 
trom.  Thainig  iad  do  Thigh-M6r  nan  uiseag 
a  h-iomadh  aite  agus  air  iomadh  doigh  ; 
cuid  a  chuir  an  gaol  ann,  's  cuid  a  chuir  an 
saoghal  ann  ;  cuid  a  chuir  an  daorach  ann, 
's  cuid  a  chuir  an  daolaireach  ann,  cuid  a 
chuir  an  creideamh  ann,  's  cuid  a  chuir  an 
teagamh  ann  ;  cuid  a  chuir  amghhair  ann  's 
cuid  a  chuir  tamailt  ann,  's  air  aireamh  na 
feadhnach  mu  dheireadh  bha  fath  mo  sgeil, 
fear  na  casaig.  Gle  thric  nuair  gheibheadh  e 
each  'n  an  suidhe  cruinn  comhla  bheireadh 
e  searmon  dhaibh  anns  a'  Ghaidhlig  bhinn 
bhlasda  a  f huair  e  leis  a'  bhainne  'n  a 
dhuthaich  fein. 

Aon  latha  Sabaid  ann  am  meadhon  an 
t-samhraidh  bha  an  da  cheannard  a  mach 
air  sraid  le  mu  dha  fhichead  dhiubh,  's  bha 
am  ministear  air  an  aireamh.  Nuair  chaidh 
iad  mu  thri  mile  f huair  iad  cead  suidhe. 
Bha  am  baile-mor  a  bha  mu  thri  mile  uatha 
'na  laighe  gu  tosdach,  oir  b'e  Di-domhnaich 
a'  chadail  mhoir  a  bha  ann.  Bha  samhchair 
an  aigh  thairis  air  an  diithaich  gu  leir  mar 
gu'm  biodh  i  'n  a  cadal ;  cha  chluinneadh 
tu  glag  uird  no  tipraid  air  bith  ;  cha  robh 
ni  r'a  chluinntinn  ach  torman  binn  nan  allt, 
no  ceol  nan  eun  air  bharraibh  nan  geug. 

Searmon  a'  Mhinisteii. 

Thuirt  cuideigin,  "  nach  toir  thu  dhuinn 
searmon,  a  Mhinistear,  o'n  tha  a'  Ghaidhlig 
aig  a  chuid  mhor  dhinn !  " 

Dh'eirich  am  ministear  gu  stolda,  's  ghabh 
e  null  gu  tolman  uaine  beagan  air  leth  bho 
chach,  agus  thuirt  e  gu  soluimte,  "  deana- 
maid  iirnuigh." 

"  0  Dhe  naoimh  agus  uile  hheannaichte, 
ar  n-  Athair  a  ta  air  nmmh,  tha  sinne  'g 
ar  sleuchdadh  fiin  'na  do  lathair  air  an 
latha  an  diugh  's  'g  ad  chliiithachadh  air 
son  gach  coibhneis  a  tha  thu  nochdadh 
dhuinn  gach  la. 

Chruthaich  thu  sinn  ann  ad  iomhaigh 
fein,  agus  chuir  thu  anama  bed  air  ar 
siubhal  a  chum  edlas  a  ghabhail  ort,  ach 
ghluais  sinne  mar  dhaoine  air  an  toil  fiin. 


Tha  sinn  'g  ad  mholadh  nuair  dh' 
amhairceas  sinn  mu'n  cuairt  oirnn  air 
obair  do  lamh  ;  chruthaich  thu  an  talamh 
is  a  Ian,  an  domhan  's  na  bheil  ann ; 
chuir  thu  gach  eun  is  iasg  is  beathach  eile 
a  chruthaich  thu  fo  cheannsal  mhic  an 
duine,  s  mar  sin  thug  thu  coir  dha  orra. 
Chuir  thu  a'  ghrian  anns  na  speuraibh  air 
son  soluis  re  an  la,  agus  a'  ghealach  's  na 
reultan  air  son  soluis  re  na  h-oidhche. 

Tha  sinn  'g  ad  chliiithachadh  air  son 
maise  nan  craobh,  's  air  son  gach  lus  is 
flur  tha  fas  air  raontan  gorm  an  aigh ; 
air  son  samhchair  nam,  beann  is  toradh 
trom  nan  gleann. 

0  Dhe  ghrasmhor,  tha  sinn  a'  togail  ar 
suilean  suas  le  taingealachd  air  son  gach 
sochair  a  tha  thu  a'  buileachadh  oirnn,  ach 
OS  cionn  gach  ni  a  thug  thu  dhuinn  tha  sinn 
'g  ad  mholadh  air  son  mac  do  ghraidh  a 
thainig  a  dh'ionnsuidh  an  t-saoghal  's  a 
dh'fhuiling  am  bos  air  ar  son-ne,  ach  a  tha 
bed  aig  do  dheas  Idimh  gu  bhi  a'  deanamh 
eadar-ghuidhe  air  ar  son  ann  an  cuirtibh 
na  gldire. 

Thoir  dhuinn  an  diugh  a  bhi  togail  ar 
suilean  suas  a  dh'ionnsuidh  nan  nithean  a 
ta  shuxis  air  nach  tig  atharrachadh  no 
caochladh  a  chaoidh.  Anns  an  t-saoghal 
so  tha  sinn  a'  faicinn  caochlaidhean  air 
gach  taobh  dhinn,  ach  cha  tig  caochladh 
ortsa,  oir  is  tusa  an  t-aon  ceudna  an  dd, 
an  diugh,  agus  gu  siorruidh. 

Athair  na  trocair,  stiur  agus  tredraich 
ar  ceum  am  feadh  a  ta  sinn  a'  triall  troimh 
an  bheatha  so  gus  an  ruig  sinn  do  lathaireachd 
ghlormhoir  flin,  far  nach  bi  peacadh,  no 
bron,  no  bos,  agus  far  an  tiormaich  thu 
fdin  gach  deur  bho  ar  siiilibh. 

A  nis  dhasan  as  urrainn  ar  coimhead 
bho  thuiteam,  agus  ar  nochdadh  gu  neoch- 
oireach  an  lathair  a  ghldire  le-h-aoibhneas 
ro  mhor  ;  do'n  Dia  a  ta  mhain  glic,  ar 
Slanuighear  gu  robh  gloir,  agus  moralachd, 
neart,  agus  cumhachd,  a  nis  agus  gu 
siorruidh.      Amen." 

Nuair  bha  an  urnuigh  criochnaichte  sheall 
e  mu'n  cuairt  air  a'  choimhthional,  agus 
thuirt  e  gu  soluimte,  "  bu  mhiann  learn  an 
diugh  facal  no  dha  a  radh  ribh  air  a'  cheann- 
teagaisg,  so." 

"  Feuch  tha  mi  a'  m'  sheasamJi  aig  an 
dorus  agus  a'  buuladh ;  ma  dh'  iisdeas 
neach  sam  bith  ri  m'  ghuth,  agus  gu'm 
fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a  steach  d'a 
ionnsuidh,  agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir 
maille  ris  agus  esan  maille  riumsa." 


\ 


i 


Aireamh   lo 


1940 


Stiil  a'  choigrich 

Ciod  a  chunnaic  iad  ann  ad  thigh  ? — Isaiah  xxxix.,  4. 


UAIR  a  bha  Heseciah  tinn  ehuir  Merodach- 
baladan,  righ  Bhabiloin,  teachdairean  agus 
tiodhlac  'g  a  ionnsuidh,  a  dh'innseadh  dha 
gu  robh  e  toilichte  a  chluinntinn  gu  robh  e  a' 
dol  na  b'  fhearr.  Rinn  Heseciah  beatha  nan 
teachdairean  gu  suairce,  agus  mar  chomharr- 
adh  air  fhabhar  agus  a  ghean-maith,  dh' 
fhosgail  e  dhaibh  a  liichairt  agus  a  thigh - 
armachd  agus  a  thigh-tasgaidh,  agus  leig  e 
fhaicinn  dhaibh  gach  ni  kiachmhor  a  bha 
aige  'n  a  rioghachd. 

Theagamh  gur  e  sin  a  bha  's  an  t-sealladh 
aig  Merodach-baladan  an  uair  a  chuir  e  na 
teachdairean  gu  Heseciah,  gu'm  faiceadh  iad 
ciod  an  t-ionmhas  agus  an  armachd  a  bha 
aige. 

Ach  cha  do  thaitinn  e  ris  an  fhaidh  Isaiah 
a  chluinntinn  gu'n  d'  thainig  teachdairean 
a  Babilon  air  a  leithid  de  thurus,  agus  chaidh 
e  gu  Heseciah  is  thubhairt  e  ris,  "  Ciod  a 
chunnaic  iad  ann  ad  thigh  ?  "  "  Chunnaic 
iad,"  arsa  Heseciah,  "  a  h-uile  ni  a  tha  'n 
am  thigh  ;  chan  'eil  ni  ann  nach  d'fheuch 
mi  dhaibh."  "  A  dhuine  ghoraich,"  arsa 
Isaiah,  "  thig  an  Ik  anns  am  bi  do  mhic  agus 
ionmhas  do  rioghachd  air  an  giulan  air  falbh 
2U  Babilon  " 


Sin  an  t-seann  naidheachd  ach  saoilidh  mi 
gu'm  faodar  car  hr  a  thoirt  dhi  gun  na 
Sgriobturan  fhiaradh. 

Na'n  tigeadh  coigrich  as  an  aird  an  Ear 
do  Bhreatunn,  abair  daoine  crabhach  de'n 
chreideamh  Hinduach,  a  dh'fhaicinn  ciamar 
a  tha  an  creideamh  Criosduidh  air  a  nochdadh 
ann  am  beatha  laitheil  an  t-sluaigh,  agus 
na'n  robh  e  air  iarraidh  ort-sa  aoigheachd  a 
thoirt  dhaibh  fad  seachduin,  ciod  a  chitheadh 
iad  'n  ad  thigh  ? 

An  e  so  an  cunntas  a  bheireadh  iad  do  na 
daoine  aca  fein  an  deidh  dhaibh  dol 
dhachaidh  ?  "  Bha  sinn  seachduin  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  a'  fuireach  le  teaghlach 
grinn,  a  nochd  gach  coibhneas  dhuinn  a 
ghabhadh  deanamh  ;  daoine  cho  laghach  's 
a  thachair  riamh  oirnn.  A  reir  choslais  bha 
iad  air  an  deagh  dhoigh  ;    air  gach  trath- 


bidh  bha  am  bord  air  ar  beulaibh  an  a 
ch^rnadh  suas  le  biadh  is  deoch,  agus  air  a 
dheanamh  riomhach  le  soithichean  airgid 
agus  lin-anart  geal.  Bha  leaba  mhaith 
againn,  agus  seomraichean-cadail  glan,  agus 
gach  comhfhurtachd  eile  a  bha  feumail. 
Ach  chan  fhaca  sinn  dad  de'n  chreideamh 
no  de'n  t-seorsa-aoraidh  a  tha  aca,  ma 
bhitheas  iad  ag  aoradh  do  dhia  air  bith. 
Tha  leabhar  aca  ris  an  abair  iad  "  leabhar 
naomh,"  ach  chan  fhaca  sinn  iad  'ga 
leughadh  ;  tha  teampuiU  aca  ris  an  abair  iad 
eaglaisean,  tighean  fuar  agus  bochd,  ach  ged 
chunnaic  sinn  daoine  eile  a'  dol  a  steach 
annta,  cha  deachaidh  gin  do'n  teaghlach  ud 
do'n  eaglais  fad  na  h-iiine  a  bha  sinn  comhla 
riu.  Cha  mho  chunnaic  sinn  iad  ag  urnuigh, 
no  ag  aoradh  'n  an  teaghlach,  no  ag  aideach- 
adh  Creideamh  air  bith.  Tha  la  naomh  aca 
ris  an  abair  iad  Di-domhnaich,  no  Sabaid,  no 
la  an  Tighearna,  ach  an  aite  dol  do'n  teampull 
air  an  la  sin  thug  iad  a  mach  sinn  ann  am 
motor  car  a  dh'fhaicinn  na  dtithcha,  is  chuir 
sinn  seachad  an  la  gu  toilichte  a'  reiseadh 
sios  is  suas  le  luathas  eagaUach.  Bha  aii 
teaghlach  ud  a  thug  aoigheachd  dhuinn 
anabarrach  coibhneil  agus  blath  'n  an  cridhe, 
ged  nach  faca  sinn  comharradh  air  bith  gu 
robh  iad  a'  creidsinn  ann  an  dia,  no  ann  an 
spiorad,  no  ann  an  saoghal  eile." 

Is  maith  coibhneas  fhein,  agus  is  maith 
gu'm  bitheamaid  blath- chridheach  agus  deas 
gu  aoigheachd  a  thoirt  do'n  choigreach,  oir  is 
toradh  an  Spioraid  iad  ann  an  seagh  fior, 
agus  theagamh  nach  'eil  neach  air  bith  a' 
nochdadh  spiorad  Chriosd  'n  a  chaitheamh- 
beatha  laitheil  na's  cinntiche  na'n  duine  aig 
a  bheU  cridhe  gradhach  coibhneil.  Ach  air  a 
shon  sin,  chan  abrainn  teaghlach  Criosduidh 
ri  teaghlach  air  bith  anns  nach  'eU  facal  Dhe 
air  a  leughadh  agus  ixrnuigh  air  a  deanamh 
ri  Dia.  Cuir  thusa,  a  leughadaii",  a  tha'n  ad 
cheann-teaghlaich  a'  cheist  so  riut  fein,  Ciod 
a  chitheadh  coigreach  ann  am  thigh-sa  ? 
Am  faiceadh  e  tigh  gun  aoradh,  agus  gun 
iomradh  air  Dia  ;  tigh  anns  nach  faca  a' 
chlann  am  parantan  riamh  air  an  gluinean 
ag  urnuigh.  Mo  thruaighe  a'  chlann  aig 
nach  'eU  an  cuimhneachan  sin  o  l^ithean  an 
oige. 


SUIL  A'  CHOIGRICH— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Cuir  car  eile  anns  an  naidheachd,  Ciod  a 
chluinneadh  duine  'n  ad  thigh  na'n  robh  e 
ann  fad  seachduin  ?  An  ckiinneadh  e  thu  a' 
bruidhinn  gu  cas  agus  gu  crosda  ri  d'  mhnaoi  ? 
No  am  faiceadh  e  nach  'eil  thu  furasda  cur 
suas  leat  'n  ad  thigh  fein,  ged  tha  thu  min 
agus  siobhalt  gu  leoir  ri  coimhearsnaich  agus 
coigrich. 

Duine  nach  'eil  laghach  ri  mhnaoi,  a 
labhras  rithe  gu  crosda  no  gu  salach,  no  nach 
labhair  idir  le  dhroch  nadur  fein,  sin  agad 
duine  nach  'eil  'n  a  Chriosduidh  ged 
dh'fhaodas  e  a  bhi  crabhach. 

Theagamh  gur  tearc  a'  charaid-phosda  a 
chuireas  seachad  am  beatha  comhla  gun 
rudeigin  a  thighinn  eatorra  uair  no  uaireigin. 
Ach  ma  thachras  sin,  is  ann  aig  a'  bhoir- 
ionnach  a  tha  ceann  trom  na  ctiise  daonnan. 
Tha  obair  laitheil  fir  'g  a  thoirt  a  mach  as  an 
tigh,  air  falbh  o'n  dachaidh  air  an  do  thuit 
an  neul,  is  theid  aige  air  na  bha  eatorra  anns 
a'  mhaduinn  a  dhichuimhneachadh.  Ach 
chan  urrainn  ise  sin  a  dheanamh.  Feumaidh 
i  fantuinn  aig  an  tigh,  agus  tha  iiine  aice  dol 
thairis  fichead  uair  'n  a  h-inntinn  air  a 
gearan  agus  a  goirteas  gus  mu  dheireadh  a 
bheil  a  goirteas  anns  an  fheasgar  na's  goirte 
seachd  uatrean  na  bha  e  anns  a'  mhaduinn. 
Mar  sin  bu  choir  do'n  fhear  tighinn  as  a 
dhroch  nadur  na's  luaithe  na'm  boirionnach, 
maitheanas  iarraidh  agus  reite  a  dheanamh 
gu  h-uasal.  Ma's  e  dlighe  nam  ban  am  facal 
mu  dheireadh  a  bhi  aca  ann  an  connsachadh 
is  e  dleasdanas  nam  fear  a'  cheud  fhacal  a 
bhi  aca  ann  an  deanamh  reite. 


agus  do'n  choinneamh-urnuigh.  Ach  an 
deidh  dha  a  lamh  a  chall  stad  e  a  dhol  do'n 
eaglais  agus  leig  e  seachad  uile  chleachdanna 
follaiseach  na  diadhaidheachd.  Chan  e  sin  a 
mh^in  ach  dh'fhas  e  canranach  agus  crosda 
'n  a  nadur,  a'  saoilsinn  gu  robh  cuis-ghearain 
aige  an  aghaidh  Dhe  agus  an  aghaidh  a 
fhreasdail. 

Gun  teagamh  tha  e  oruaidh  do  fhear-oibre 
a  lamh  a  chall,  a  tha  an  urra  ri  cheaird  agus 
ri  phaigheadh-seachduin,  ach  tha  e  na's 
miosa  air  fad  gu'n  leigeadh  e  le  tinneas  no 
cruaidh-fhortan  air  bith  a  reite  no  dhaimh 
ri  Dia  a  mhilleadh,  no  searbhadas  a  dhiisgadh 
'n  a  chridhe.  Duine  air  bith  a  tha  ag  altrum 
searbhadais  'n  a  chridhe,  co  dhiu  is  ann  an 
aghaidh  Dhe  no  an  aghaidh  choimhearsnach, 
sin  agad  duine  a  tha  cheana  ann  an  ifreann, 
dubh-aite  na  truaighe. 

Ciod,  ma  ta,  a  chunnaic  coimhearsnaich 
ann  ad  thigh-sa  an  deidh  do'n  tubaist  ris 
nach  robh  diiil  agad  tighinn  ort  ?  Am  faca 
iad  nach  do  leig  thu  le  farmad  no  le  sear- 
bhadas aite  fhaotainn  'n  ad  chridhe,  agus 
nach  do  mhill  thu  sonas  dhaoine  eile  le  do 
shior  ghearan.  Is  e  aon  de  chomharraidhean 
na  h-inntinn  Chriosdail  duine  a  bhi  toilichte 
agus  geanail  am  measg  a  theaghlaich  fein,  oir 
cuiridh  aon  duine  toilichte  sunnd  air  daoine 
eile.  Chan  'eil  e  furasda  do  mhnaoi  no  do 
chloinn  a  bhi  anns  an  aon  tigh  ri  duine  "a 
bhios  a'  caoidh  mar  na  dragoin,  agus  ri 
cumha  mar  nigheanan  na  caillich  oidhche." 
(Micah  1,  8.) 


Aon  char  eUe  anns  an  naidheachd  so  agus 
an  car  mu  dheireadh  ;  an  uair  a  bha  thu  gu 
tinn,  no  chaUl  thu  do  shlainte,  no  thainig 
camadh  'n  ad  chrannchur,  ciod  a  chunnaic  na 
coimhearsnaich  'n  ad  thigh  ? 

Bho  chionn  bhliadhnachan  chaUl  fear  a 
b'aithne  dhomh  a  lamh  ann  am  muileann- 
fiodha.  M'  an  do  thachair  an  driodfhortan 
\\d  dha  bha  e  'n  a  fhear-aideachaidh  gealltan- 
ach,   agus  fritheUteach  air  dol  do'n  eaglais 


Tha  fichead  rud  'n  ar  beatha  laitheil  a 
ghabhadh  ceartachadh  na'n  cuireamaid 
romhainn  nach  faiceadh  an  coigreach  a  thig 
a  steach  air  ar  geata  dad  tuathal  no  neo- 
sgoinneU,  no  idir  idir  dad  cronail  no  peacach  'n 
ar  tigh,  o'n  gheata  fhein  a  bhios  gu  goirid  'n 
a  bhiorain  mur  cuirear  tarrang  no  dha  ann, 
gus  an  droch  nadur  a  dh'fheumas  sinn  a 
chasg  ma  bu  mhaith  leinn  fas  anns  a'  bheatha 
dhiadhaidh.  A  mach  agus  a  stigh  tha  feum 
againn  uile  air  ar  tigh  a  chur  an  ordugh. 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


{Air  a  leantuinn) 


MAR  thubhairt  mi  cheana  bha  uidh  aig 
Unieam  Leishman  ann  an  iomadh  rud  eile 
a  thuilleadh  air  tuathanachd ;  ann  an 
deireadh  a  laithean  gu  sonraichte  cha  robh 
uiread  'n  a  leabhraichean-sgriobhaidh  mu 
phrisean  no  mu  obair  an  fhearainn  's  a  bha 


annta  mu  obair  an  Spioraid  Naoimh  anns  an 
anam.  Bha  e  a'  creidsinn  gur  e  an  Spiorad 
Naomh  an  tiodhlac  as  iongantaiche  ^gus  as 
luachmhoire  a  thug  Dia  do  dhaoine,  agus 
gur  e  iadsan  a  mhain  a  tha  air  an  teagasg  leis 
an  Spiorad  aig  a  bheil  fior  eolas  air  Dia. 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


Air  Di-domhnaich  na  Cuingis  anus  a' 
bhliadhna  1910  sgriobh  e  mar  so  'n  a 
leabhar-la  : — 

"  Anns  a'  mhaduinn,  man  deachaidh  mi 
do'n  eaglais,  leugh  mi  an  cunntas  a  tha  ann 
an  Gniomharan  nan  Abstol  mu  theachd  an 
Spioraid  Naoimh,  agus  thainig  an  smuain 
'n  am  inntinn  nach  bu  mhaith  learn  duine 
aig  nach  'eil  ach  inntinn  mhaol  a  chluinntinn 
a'  bruidhinn  uime.  Is  tearc  na  ministearan 
as  urrainn  teagasg  simplidh  agus  buanach- 
dail  a  thoirt  do  choimhthional  mu'n  Spiorad 
Naomh.  Tha  mi  an  diiil  gu'm  b'fhedrr 
dhaibh  an  cuspair  so  a  sheachnadh  uile  gu 
leir  agus  leigeil  leis-  an  Spiorad  Naomh  f4in 
na  tha  feumail  de'n  fhirinn  fhoillseachadli 
do  dhaoine.  Tha  na  smuaintean  agus  na 
faireachduinean  a  chuireas  an  Spiorad 
Naomh  ann  an  cridhe  neach  fada  na's  fire, 
an  uair  nach  feuchar  ran  cur  am  briathran, 
na  tha  iad  an  uair  a  chuirear  an  cainnt  iad. 
Chan  'eil  ann  an  cainnt  ach  oidhirp  bhochd 
air  nithean  a  tha  diomhair  a  chur  an  cdill. 
Ach  ged  nach  'eil  e  soilleir  do  mo  thuigse 
nadurra  ciod  e  an  Spiorad  Naomh,  no 
ciamar  a  tha  e  ag  oibreachadh,  tha  fhios 
agam  air  a  shon  sin  gu'm  bi  e  a'  stri  rium 
fdin  gun  sgur,  agus  nach  biodh  edlas  idir 
agam  air  Dia  as  eugmhais.  Dh'fhairtlich 
e  orm  riamh  a  thuigsinn  le  m'  reuson  ciod 
an  daim.h  a  tha  eadar  am  Biobull  agus  an 
Spiorad  Naomh,  no  ciod  a  tha  diadhairean 
a'  ciallachadh  an  uair  a  bhios  iad  ag  radh 
gu  bheil  am  Biobull  air  a  dheachdadh  leis  an 
Sjyiorad  Naomh,  ach  ged  tha  so  dorcha  do  m' 
reuson  tha  m'  fhiosrachadh  fein  a'  dearbhadh 
dhomh  gur  ann  troimh  bhriathran  a' 
Bhiobuill  is  trice  a  bhios  an  Spiorad  Naomh 
a'  labhairt  rium-.  Chan  'eil  mi  a'  creidsinn 
gu  bheil  an  Spiorad  air  a  cheangal  ris  an 
Fhacal  air  a  leithid  de  dhoigh  's  nach  gabh 
iad  dealachadh,  oir  tha  litir  an  Fhacail  air 
uairean  cho  marbh  dhomh  ri  seana  chnamh 
gun  smior,  ach  an  ath  uair  a  leughas  mi  e 
tha  a'  cheart  litir  sin  mar  theine  bed  'n  am 
chridhe,  a'  toirt  dearbhachd  dhomh  mu  Dhia 
agus  mu  fhireantachd  agus  mu  bhreitheanas. 
Mar  sin  tha  mi  an  duil  nach,  'eil  an  Spiorad 
Naomh  air  a  ghlasadh  anns  a'  Bhiobull 
mar  gu'm  biodh  ionmhas  air  a  ghlasadh  ann 
an  ciste,  ach  gu  bheil  e  saor,  a'  falbh  agus  a' 
tighinn  an  cois  an  Fhacail  mar  is  aill  leis. 
Tha  moran  shamhlaidhean  air  an  cleadchadh 
anns  a'  Bhiobull  mu'n  Spiorad  Naomh,  agus 
tha  sin  fhein  'n  a  chomharradh  cinnteach  gu 
bheil  e  diomhair  'n  a  ghne  agus  'n  a  obair  ; 
tha  e  'n  a  Sholus,  'n  a  Theine,  'n  a  Ghaoith, 
'na  Dhruchd,  'n  a  Chalaman ;  cbig  nithean 
a  tha  fada  o  chdile,  agus  gun  ghin  idir 
dhiubh  an  aon  ni  daonnan.    Their  thu  gaoth 


ris  an  osaig  bhlath  chaomhail  a  bheir  chugad 
aile  cubhraidh  nan  coilltean  agus  na 
machrach,  ach  their  thu  gaoth  mar  an 
ceudna  ris  an  doinionn  ghabhaidh  a  spionas 
craobhan  as  am  bun,  no  a  bhathas  mairichean 
air  a'  chuan.  Their  thu  teine  ris  a'  ghriosaich 
chair deil  a  chi  thu  ann  ad  thigh  fein,  ach 
their  thu  teine  cuideachd  ris  na  lasraichean 
oilUeil  a  dh'eireas  o  bhuth  mdr  a  chaidh  air 
theine.  Mar  a'  ghaoth  no  an  teine  tha 
tiodhlacan  agus  buadhan  an  Spioraid  eadar- 
dhealaichte,  ach  tha  an  Spiorad  fein  neo- 
fhaicsinneach,  bith-bhuan,  agus  diomhair." 

An  uair  a  bha  Uilleam  Leishman  anns  an 
Oilthigh  bha  dithis  ghillean  eile  a  Cille- 
sgumain  ann  comhla  ris  ;  Eachann  Domh- 
nullach  agus  Eric  Smeaton.  Ged  nach  robh 
an  triuir  coltach  ri  cheile  'n  an  nadur  bha 
cairdeas  agus  companas  dltith  eatorra,  agus 
chum  iad  suas  an  cairdeas  sin  an  deidh 
dhaibh  Dun-eideann  fhagail  agus  toiseachadh 
air  obair ;  Uilleam  Leishman  'n  a  thuathanach 
anns  an  aite  anns  an  do  rugadh  e  ;  Eric 
Smeaton,  'n  a  mhinistear  de'n  Eaglais 
Shasunnaich,  an  Carlisle  ;  agus  Eachann 
DomhnuUach  'n  a  chleireach-lagha  an  Dim- 
eideann. 

De'n  triuir  b'e  Eric  Smeaton  am  fear  a  bu 
chrabhaiche  agus  a  bu  lugha  de'n  olc  ann 
gu  nadurra ;  b'e  Eachann  DomhnuUach  am 
fear  aig  an  robh  na  talantan  a  b'fhearr  agus 
an  inntinn  a  bu  gheire,  ach  bha  talc  is 
seasmhachd  agus  tur  nadurra  ann  an  Uilleam 
Leishman  a  thug  dha  seorsa  ceannardais  'n 
am  measg  o  oige. 

Fad  bhHadhnachan  bhiodh  iad  a' 
sgriobhadh  gu  each  a  cheile,  ag  innseadh 
mar  bha  a'  dol  daibh,  ach  an  sin  stad 
Utrichean  Eachainn  DhomhnuUaich,  is  cha 
chuala  Eric  Smeaton  no  UiUeam  Leishman 
bhuaith  fad  da  bhliadhna,  agus  a  thaobh  's 
gu'n  d'  fhag  a  chuideachd  Cille-sgumain,  cha 
robh  fhios  aca  co  dhiu  a  bha  e  bed  no  marbh. 

Uair  a  bha  Eric  Smeaton  a'  tadhall  air 
UiUeam  Leishman  dh'innis  e  dha  gu'm  faca 
aon  de  mhinistearan  oga  na  h-Eaglais 
Shasunnaich  a  bha  ag  obair  ann  am  Margadh- 
an-Fheoir,  an  Dim-eideann,  Eachann  Domh- 
nuUach ann  am  fear  de  Thighean-nam 
Faondrach,  air  a  leabaidh  agus  coslais  a' 
bhais  air.  Leig  e  leis  fein  falbh  leis  an  t-sruth 
gu  buUeach,  ag  61  agus  ag  iomairt  agus  air 
an  ran-dan,  gus  mu  dheireadh  an  do  chaiU 
e  'aite  agus  a  shlainte  agus  a  chliu  agus  na 
chuir  e  mu  seach,  agus  na  bu  mhiosa  air  fad, 
a  mheas  air  fein. 

Chun  an  dithis  romhpa  gu'n  rachadh  iad 
a   Dhim-eideann    'g    a  fhaicinn,    ged   bhios 


4 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


naire  air  daoine  caomhail  a'  dol  a  cLh'fhaicinn 
seana  chompanach  a  chaill  a  naire  fein. 

Cho  luath  's  a  rainig  iad  taobh  a  leapa 
dh'aithnich  e  iad,  ged  bha  neul  a'  bhais  air 
aodann,  agus  a  ghuth  cho  lag  's  nach  nior 
gu'n  cluinneadh  iad  e.  Cha  robh  Uilleam 
Leishman  'n  a  leithid  de  shuidheachadh 
riamh,  is  cha  robh  fhios  aige  ciod  a  dheanadh 
no  dh'abradh  e  ;  bha  a  chridhe  goirt  air  son 
a  sheana  charaid.  Chaill  e  a  chainnt,  agus 
cha  b'urrainn  dha  dad  eile  a  dheanamh  ach 
breith  air  lamh  Eachainn  Dhomhnullaich 
agus  toiseachadh  air  caoineadh. 

Bha  Eric  Smeaton  na  bu  chruaidhe  agus 
na  b'eolaiche  air  a'  bhas  agus  air  toradh  is 
tuarasdal  a'  pheacaidh,  agus  thoisich  esan 
air  bruidhinn  ris  an  fhear  a  bha  air  an 
leabaidh  mar  bha  e  an  dull  bu  choir  do 
mhinistear  labhairt  ri  peacach  a  bha  dol  a 
steach  do'n  t-siorruidheachd  ann  an  tiine 
ghoirid,  ag  iarraidh  air  sealltuinn  ris  an 
t-Slanuighear  a  thug  maitheanas  agus  dochas 
do'n  ghaduiche  beagan  mhionaidean  m'an 
do  dhtiin  am  bas  a  shuilean. 

Ach  leis  an  deo  analach  a  bha  aige  chuu' 
Eachann  Domhnullach  stad  air.  "  Rinn 
mise  mo  leaba,  Eric,"  ars  esan,  "  agus  cha 
ghabh  cuisean  atharrachadh  a  nis,  ach 
bhithinn  "'n  ad  chomain  na'n  leigeadh  tu 
learn  am  beagan  ixine  a  bhios  againn  comhla 
ri  cheile,  guri  a  bhi  a'  bruidhinn  mar  sin." 

Shiubhail  e  anns  an  oidhche,  agus  a  lamh 
fhathast  ann  an  laimh  an  duine  ghaolaich 
nach  b'urrainn  a  bheul  fhosgladh  no 
smuaineachadh  au'  earailean  no  comhfhurt- 
achd  a  thoirt  dha  ach  a  mham  a  lamh 
bhlath  agus  a  dheoir.  Chuir  Uilleam  Leish- 
man fo'n  uir  e  au'  a  chosdus  fein. 

Theagamh  gu  robh  leaba-bhais  Eachainn 
Dhomhnullaich  'n  a  inntinn  an  uair  a 
sgriobh  e  so  'n  a  leabhar-sgriobhaidh. 

"  Is  ann  f  lor  uair  annamh  a  bhios  mi  a' 
cluinntinn  mhinistearan  an  diugh  a' 
searmonachadh  mu'n  truaighe  a  tha  a' 
feitheamh  air  peacaich  neo-aithreachail  anns 
an  ath  shaoghal,  agus  a  reir  m'  fhiosrachaidh, 
chan  e  an  fheadhainn  as  fhearr  agus  as 
turaile  a  bhios  'g  a  dheanamh  an  uair 
annamh  sin  fhein.  Theagamh  gur  e  an 
t-aobhar  nach  'eil  iad  fein  cinnteach  ciod  a 
thachras  do  neach  air  bith  anns  an  t-saoghal 
eile,  no  gu  bheil  eagal  orra  am  beachdan  a 
liubhairt  gu  saor  air  eagal  gu'n  tugadh  e 
oilbheum  do  dhaoine  nithean  iir  a  chluinntinn. 
Ach  air  mo  shon  fhein  dheth  chan  "eil  rud 
air  an  t-saoghal  a  b'fhearr  leam  na  bhi  ag 


iisdeachd  ri  sgoileardn  diadhaidh  a'  toirt 
dhuinn  am  beachdan  fdin  gu  saor  mu'n 
t-saoghal  eile,  agus  tha  mi  Ian  chinnteach  gu 
bheil  a'  mhor-chuid  de  dhaoine  ciallach  de'n 
aon  bheachd  rium,  agus  gu'm  b'fhearr  leo 
seanchas  de'n  t-seorsa  so  seach  moran  de'n 
ghleadhraich  eile  ris  am,  bi  sinn  ag  eisdeachd. 

Tha  a'  cheart  uiread  de  na  daoine  a  bu 
docha  leam  a  nis  anns  an  t-saoghal  eile  's  a 
tha  anns  an  t-saoghal  so,  agus  air  uairean 
bithidh  e  a'  cur  eagail  orm.  gu'm  faod  daoine 
air  an  robh  gaol  agam  a  bhi  ann  am  piantan 
ifrinn,  ged  nach  'eil  mi  idir  a'  creidsinn 
anns  an  loch  theine  agus  na  lasraichean 
fiadhaich  a  bhithear  a'  maoidheadh  air 
paisdean.  Ach  tha  e  moran  na's  fhasa 
dhomh  beachdan  leanabail  a  chur  a  mach  a 
m'inntinn  na  chur  a  mach  as  mo  chnamhan. 

"  Ma's  maith  mo  bheachd,  chan  e  argumaid 
no  solus  reusoin  a  thug  atharrachadh  air 
beachdan  dhaoine  a  thaobh  cor  dhaoine  anyis 
an  t-saoghal  eile,  ach  ni-eigin  ann  an 
cnamhan  agus  ann  am  faireachduin  dhaoine 
nach  leig  leo  a  chreidsinn  gum,  biodh  e  ceart 
do  Dhia  uasal  agus  cothromnch  giollachd  a 
dheanamh  air  peacaich  nach  deanadh  athair 
air  bith  air  a  mhac  seachranach.  Chanfhan 
beachd  air  bith  bed  ann  an  inntinn  ?nhic  an 
duine  mur  bheil  e  a'  comh-chdrdadh  ris  na 
beachdan  eile  a  tha  aige,  agus  mar  sin  tha  an 
creideamh  a  bha  aig  an  eaglais  Ghriosduidh 
a  thaobh  ifrinn  anns  na  seann  laithean  air 
fas  fann  an  diugh  a  chionn  gu  bheil  an 
eaglais  fhein  a'  teagasg  bheachdan  mu  Dhia 
nach  'eil  a'  comh-chdrdadh  ris.  Tha  mi 
a'  creidsinn  gur  ann  o'n  Spiorad  Naomh  a 
tha  so  a'  teachd,  oir  tha  an  Spiorad  a' 
treorachadh  dhaoine  troimh  na  linntean  as 
an  dorchadas  a  steach  do'n  t-solus. 

"  Ach  ged  nach  urrainn  daoine  turail 
creidsinn  anns  na  lasraichean  litireil  no  ann 
an  ddruinn  shiorruidh  tha  e  cho  fior  's  a 
bha  e  riamh  gu  bheil  coguis  mhic  an  duine 
a'  mairsinn  bed  anns  an  t-saoghal  eile,  agus 
far  a  bheil  coguis  bheo  an  sin  tha  '  piantan 
ifrinn,'  ach  piantan  aig  a  bheil  e  mar  chrich 
an  t-anam  a  ghlanadh  agus  a  shoillseachadh 
agus  a  thoirt  gu  Dia.  Ach  ged  bhios  mi  a' 
rannsachadh  nan  nithean  so  'n  atn  inntinn 
fein  agus  anns  a'  Bhiobull  is  e  am  facal  air 
am  bi  mi  daonnan  a'  taiceachadh  air  a' 
cheann  mu  dheireadh,  '  Nach  dean 
Breitheamh  na  talmhainn  uile  ceartas?  ' 
{Genesis  xviii.,  25).  Tha  Dia  uasal  agus 
trdcaireach,  iomlan  'n  a  naomhachd  agus  'n 
a  ghliocas  agus  'n  a  ghradh,  air  chor  agus 
nach  'eil  ifreann  fhein  an  taobh  a  mach  d'a 
thighearnas  no  d'a  chumhachd." 


Anns  a'  Chathair 


06  a  shaoileadh  gu'n  tugadh  an  Cogadli 
bhuainn  clag  na  h-eaglais,  an  comharradh  as 
follaisiche  a  tha  againn  gu  bheil  ar  comhnuidh 
aim  an  duthaich  Chriosduidh  ? 

Theagamh  gvi'n  abair  cuid  nach  call  mor 
e  an  clag  a  bhi  'n  a  thosd  agus  gu'n  deanar 
feiim  gu  maith  as  eugmhais,  ach  air  a  shon 
sin  tha  barrachd  ionndrainn  agam  fhein  air 
na  tha  agam  air  goireasan  eile  a  dh'f  has  gann. 

Gred  nach  toigh  leam  straighhch  agus 
gleadhraich  a'  bhaile-mhoir  rachainn  astar 
maith  a  chluinntinn  cluig  nan  eaglaisean  a' 
bualadh  air  maduinn  na  Sabaid,  an  Glaschu 
no  an  Dim-eideann. 

Sin  fuaim  cho  boidheach  's  a  chluinnear 
air  thalamh,  co  dhiu  a  tha  thu  air  an  dtithaich 
no  anns  a'  bhaile.  Ann  an  gliocas  an  Tigh- 
earna  chunnaic  e  iomchuidh  corp  mhic  an 
duine  a  dhealbh  air  a  leithid  de  dhoigh  's  gu 
bheil  uile  bhuadhan  a'  chuu-p,  cluas,  is  stiil, 
is  sron,  a'  tabhairt  solais  dha.  Bhiodh  e 
duilich  a  radh  c6  dhiubh  sin  a  tha  toirt 
duinn  am  barrachd  toil-inntinn,  ach  ged  is  e 
sealladh  nan  sul  an  rud  mu  dheireadh  a  bu 
mhaith  leam  a  chall,  chan  'eil  latha  de  mo 
bheatha  nach  'eil  mi  taingeil  do  Dhia  air  son 
nan  solasan  air  a  bheil  mi  a'  ruighinn  le  mo 
chluais. 

Fuaimean  binn  a'  Chruinne. 

Ann  an  samhchau'  na  duthcha  tha  fuaim- 
ean sonruichte  ann  a  tha  caomh  do  anam 
duine  ;  guthan  baigheil  a  thogas  suas  do 
chridhe  an  uair  a  tha  do  chridhe  fo  leon  ; 
dranndan  sheUleanan  anns  na  craobhan 
leamhain,  no  anns  na  crainn  theUe  ;  seideadh 
anail  gaoth  na  h-oidhche  anns  an  luachair  ; 
cronanaich  nam  meanbh-bhiasdagan  anns 
an  f  heur  ;  torman  nan  eas  agus  nan  allt ;  sin 
na  h-6rain  agus  na  h-6rgain  de  nach  fhasar 
sgith.  Ged  nach  bu  mhaith  leam  a  radh  gu 
bheil  guth  binn  an  ceann  an  rocais  is  baigheil 
agus  is  aoibhneach  guth  an  rocais  air 
maduimi  earraich  agus  is  e  a'  toiseachadh 
air  neadachadh  ;  ach  fada  fada  na's  baigheile 
agus  moran  na's  binne  tha  guth  a'  ghille- 
Bhride,  oir  bha  mi  eolach  air-san  'n  am  oige, 
agus  a  h-uile  bliadhna  a  thig  e  anns  a'  Mhart 
tha  e  a'  toirt  chugam  beannachd  mo  dhaoine 
as  na  h-eileanan.  Cha  do  theoigh  mo  chridhe 
riamh  ri  coc-coc-coc  nan  coUeach-fraoich  ; 
ach  far  am  bi  an  coileach-fraoich  bidh  an 
fheadag,  agus  guileag  eile  as  milse  agus  as 
bronaiche  na  guileag  na  feadaig  cha  chualas 
riamh  air  monadh  no  machair,     Bidh  mi  air 


uairean  a'  saoilsinn  nach  'eU  coimeas  eile 
ann  do  dhurdan  a'  chalamain  anns  a'  Choille 
Bheithe  ach  na  plasdan  sin  a  bhios  na  dotair- 
ean  a'  cur  air  feoil  dhaoine  an  uair  a  bhios 
am  feoil  a'  lionnachadh.  Ged  bhiodh  tu  fo 
phramh,  agus  do  chridhe  trom,  tuitidh  coo- 
roo  iosal  a'  chalamain  air  do  chridhe  mar 
gu'm  biodh  pl^sd  o  laimh  an  Lighiche  ata 
shuas,  no  mar  gu'm  biodh  an  t-uisge  no  an 
druchd  air  fearann  tioram. 

An  guth  caomhail. 

Ach  ged  is  toigh  leam  eisdeachd  ri  gaoth 
is  uillt,  ri  feadagan  is  calamain,  is  fhearr 
leam  fuaim  a'  chluig  air  la  na  Sabaid  na  iad 
uile.  Sin  an  fhuaim  de  nach  fas  mi  sgith  gu 
brath  ;  guth  a  tha  labhairt  nithean  diomhaii" 
ri  m'  anam  a  h-uile  uak  a  chluinneas  mi  e. 

Cha  mhor  mhinistearan  air- nach  bi  faitch- 
eas  an  uair  a  dh'  eireas  iad  a  labhairt  aii- 
beulaibh  sluaigh  ;  bidh  crith  'n  an  guth  agus 
'n  an  gluinean.  Dh'  fhairich  mise  an  t-eagal- 
cridhe  sin  mar  a  dh'  fhairich  daoine  eile, 
ach  is  e  an  leigheas  as  fhearr  a  fhuair  mi 
riamh  air  a  shon,  eisdeachd  ris  a'  chlag  an 
uair  a  thoisicheas  e  air  bualadh.  Tha 
cuimhne  agam  air  amannan  anns  an  robh  mo 
chridhe  a'  ploscartaich  agus  mi  dol  suas  gu 
tigh  an  Tighearna,  an  impis  leum  as  a  cho- 
chuU,  air  chor  agus  gu'm  bu  mhaith  leam 
teicheadh,  ach  a  cheart  cho  luath  's  a  thoisich 
an  clag  agus  a  chuala  mo  chluas  an  fhuaim 
bhaigheil,  dh'  fhalbh  an  t-eagal  agus  a 
chrith,  is  chaidh  mi  an  ceann  na  seirbhis  le 
cridhe  foistinneach. 

Theagamh  gu'n  saoil  cuid  de  na  leughas 
an  duilleag  so  nach  robh  gnothuch  air  bith  aig 
a'  chlag  ris  an  t-saorsa  cridhe  is  inntinn  a 
fhuair  mi  ,agus  gur  h-ann  o  mhac-meanmainn 
na  h-inntinn  agam  fhein  a  thainig  iad.  Ach 
ciod  a  tha  ann  am  mac-meanmainn  na 
h-inntinn  ach  aon  de  na  buadhan  a  thug  Dia 
do'n  duine  a  chum  gu'm  biodh  e  comasach 
dha  na  feartan  leis  a  bheil  Dia  'g  a  chuartach- 
adh  fhaireachduinn,  agus  guth  Dhe  a 
chluinntinn  annta.  Chan  'eil  Dia  air  a 
chumhannachadh  ri  meadhonan  sonruichte 
ann  a  bhi  labhairt  ri  cridheachan  dhaoine  ; 
tha  fichead  is  ceud  is  mile  teachdaire  aige 
leis  a  bheU  e  a'  labhairt  ri  clann  nan  daoine  ; 
ciirsa  a  f  hreasdail,  oibrichean  a'  chruthachidh, 
grian  is  gealach  is  reultan,  gaoth  is  ceo  is 
sneachd  ;  — tha  iad  uile  'nan  teachdairean 
agus  'n  an  seirbhisich  dha,  a'  deanamh 
'iarrtuis  agus  a'  coimhlionadh  a  tlioile.  Agus 
car  son  nach  labhradh  e  ri  cridhe  duine  le 


6 


AISTNS  A'  CHATHAIR 


fuaim  a'  chluig !  Nach  'eil  e  a  cheart  cho 
eoltach  gu'n  labhradh  Dia  ri  duine  le  clag  a 
thighe  fein  's  gun  do  labhaii'  e  ri  Daibhidh 
le  fuaim-siubhail  ann  am  mullach  chraobh 
nan  smeur ! 

Tha  clag  na  ih-eaglais  a'  labhairt  riumsa 
ged  nach  bithinn  a'  dol  do'n  chubaid  idir. 
Tha  e  rud  beag  annasach  ri  radh,  ach  is  e  a' 
chuid  as  fhearr  learn  de'n  t-seirbhis  gle 
bhitheanta,  na  coig  mionaidean  m'  an  toisich 
i.  Is  toigh  learn,  an  uair  annamh  a  gheibh 
mi  cotbrom  air  dol  do'n  eaglais  gun  mi  fhein 
a  bhi  a'  searmonachadh,  is  toigh  learn  dol  a 
steach  trath  ;  an  uair  a  thoisicheas  an  clag  air 
bualadh  tha  mo  chridhe  air  a  thoirt  fo 
chumhachd  an  t-saoghail  neo-fhaicsinnich 
ann  an  doigh  nach  bitheadh  e  air  a  thoirt 
ann,  ma  dh'  fhaoidte,  le  guth  duine.  Cha 
do  ghabh  mi  riamh  fadachd  gus  an  sguireadh 
an  clag  ;  is  ann  a  bha  e  daonnan  a'  sgur  ro 
luath,  oir  tha  e  a'  labhairt  sith  is  solas  ri  mo 
chridhe. 

Do  Tbigh  an  Tighearna. 

Do  mhoran  dhaoine  chan  'eil  an  clag  ag 
radh  dad  ach  ag  innseadh  na  h-uaire  ;  gu 
bheU  an  t-am  aig  an  eaglais  dol  a  steach. 
Ach  do  dhaoine  eile  tha  e  a'  deanamh  tuill- 
eadh  is  sin  ;  tha  e  a'  cur  soluimteachd  air  an 
smuaintean  agus  air  am  faireachduinean ; 
'g  an  deasachadh  air  son  seirbhis  an  De 
naoimh  a  dh'ionnsuidh  a  bheil  e  'g  an  gairm. 

Ann  an  sgir  shonruichte  as  aithne  dhomh 
bha  clag  na  h-eaglais  air  a  bhualadh  a  h-uUe 
Sabaid  aig  ochd  uairean  's  a'  mhaduinn,  agus 
theagamh  gu  bheU  an  cleachdadh  maith  sin 
(oir  is  e  cleachdadh  maith  a  bha  ann)  air  a 
chumaU  suas  fhathast  ann  an  sgirean  eile. 
Bha  bualadh  a'  chluig  a'  toirt  na  h-uaire  do 
na  h-uUe  teaghlach  a  bha  mar  astar  da 
mhile  do'n  eaglais  ;  ag  innseadh  dhaibh  gu 
robh  an  t-am  aca  an  cuisean  saoghalta  a 
leigeU  seachad  agus  deanamh  deas  gu  dol 
suas  do  thigh  an  Tighearna.  Ach  ar  learn 
gu  robh  feum  eile  ann  a  thuilleadh  air  sin  ; 
bha  e  a'  naomhachadh  na  Sabaid  do  na 
daoine  a  bha  cleachdte  ri  chluinntinn  o'n 
oige,  agus  a'  ceangal  an  cridheachan  ri 
nithean  naomh  is  maiseach  ;  bha  e  a'  toirt 
cuiridh  dhaibh  dol  suas  le  h-aoibhneas  do 
thigh  an  Tighearna  ann  an  cuideachd  a 
shluaigh. 

Maith  agus  Dona. 

Tha  cluig  nan  eaglaisean  mar  tha  guthan 
dhaoine,  maith  agus  dona  ;  cuid  dhiubh  anns 
a'  bheil  ceol  agus  cuid  dhiubh  nach  fhearr  na 
seann  tromb   bhriste,   no   an   ciombal  a  ni 


gleangarsaich.  Is  ann  de'n  t-seorsa  so  a 
tha  a'  chuid  mhor  de  na  cluig  a  tha  againn 
ann  an  eaglaisean  na  G^idhealtachd ;  a 
thaobh  citiil  no  binneis  bha  cho  mhaith 
dhuit  a  bhi  bualadh  maide-buntata  air  seana 
phoit,  ach  air  a  shon  sin  tha  an  guth  cruaidh 
critheannach,  caomh  'n  ar  cluasan  fhein, 
agus  chan  'eil  uair  a  chluinneas  sinn  iad  nach 
diiisg  iad  smuaintean  'n  ar  inntinn  is  fair- 
eachduinean 'n  ar  cridhe  nach  bu  mhaith 
leinn  a  chaU  air  son  an  t-saoghail. 

Ged  nach  h-abair  mi  gu  bheil  e  cho  dona 
droch  chlag  a  bhi  anns  an  ttir  ri  droch  shear- 
monaiche  a  bhi  anns  a'  chubaid,  bu  mhaith 
leam  clag  maith  fhaicinn  aig  a  h-uile  eaglais 
anns  an  duthaich,  agus  an  clag  a  bhi  air  a 
bhualadh  air  laithean  na  seachduin  cho 
maith  ri  la  na  Sabaid. 

An  fhianuis  fhollaiseach. 

An  diugh  chan  'eil  air  f hagail  ach  gle 
bheag  de  chomharraidhean  follaiseach  gur 
dtithaich  Chriosduidh  a  tha  ann  an  Albainn  ; 
gle  bheag  de  fhianuisean  air  na  nithean  ata 
neo-fhaicsinneach  agus  siorruidh  ;  tha  samh- 
chair  na  Sabaid  air  a  call  oir  ~  tha  na 
rathaidean-mora  cho  trang  air  an  t-Sabaid 
's  a  tha  iad  Di-luain  ;  tha  aoradh-teaghlaich 
air  a  leigeil  seachad  leis  a'  mhor-chuideachd, 
agus  eadhon  altachadh  roimh  bhiadh — an 
fhianuis  mu  dheireadh  a  gheibhear  ann  an 
teaghlaichean  nach  ana-creidmhich  iad — 
tha  sin  fhein  an  diugh  air  dol  as  an  fhasan, 
air  chor  agus  gu  bheil  e  comasach  do  dhaoine 
laighe  agus  eirigh  o  mhoch  Di-luain  gu 
anmoch  Di-sathuirne  gun  aon  chleachdadh 
crabhach  fhaicinn,  no  aon  ghuth  a  chluinn- 
tinn a  chuireas  '-n  an  cuimhne  gu  bheil  Dia 
air  neamh,  no  gu  bheil  saoghal  eile  ann. 
Theagamh  nach  biodh  anns  a'  chlag  ach 
guth  a'  glaodhach  anns  an  fhasach,  ged 
bhiodh  e  air  a  bhualadh,  ach  co  dhiu  cha 
ruigeadh  e  le  daoine  na  nithean  anns  an  do 
thogadh  iad  a  dhichuimhneachadh  gu 
buileach. 

Ach  ged  nach  biodh  ann  do  dhaoine  eile 
ach  fuaim  nach  duisgeadh  barrachd  ionn- 
drainn  'n  an  cridhe  na  dudach  bata  no  f  ideag 
oillteil  nan  caraichean,  labhradh  e  ri  fior 
shluagh  an  Tighearna,  na  daoine  a  bhios  ag 
urnuigh,  agus  a'  togail  suas  an  cridheachan 
ri  Dia  fichead  uair  's  an  latha.  Agus  sin  na 
daoine  a  tha  cumail  beo  na  diadhaidheachd 
anns  an  t-saoghal. 

Ciod  a'  chrioch  a  bhios  aig  a'  chogadh 
uamhasach  a  tha  maoidheadh  an  Roinn- 
Eorpa  uile  a  chuir  'n  a  lasraichean  teine  ? 


ANNS  A'  CHATHAIR— MURCHADH  DOMHNULLACH— AIG  AN  UINNEIG 


Aig  Ni-maith  a  tha  brath,  ach  bidh  e  air 
uairean  a'  tighinn  a  steach  orm  nach  bi  an 
iiine  fada  gus  an  tuit  Uachdaran  an 
dorchadais  as  a  sheasamh  le  cion  analach, 
agus  an  sin  thig  an  latha  a  chunnaic  Pol 
fada  air  falbh,  an  la  anns  an  toir  na  naoimh 
breith.     Agus  an  uair  a  chuirear  na  naoimh 


air  cathair-breitheanais,  sealbhaichidh  na 
daoine  macanta  an  talamh  mar  oighreachd. 
An  uair  a  thig  an  la  beannaichte  sin 
buailear  na  cluig  aon  uair  eile,  agus  bithidh 
Tearuinteachd  do'n  t-sluagh  air  a  sgriobhadh 
air  an  dara  taobh  dhiubh  agus  Naomhachd 
do'n  Tighearn  air  an  taobh  eUe. 


Murchadh  D6mhnullach  nach  maireann 

Le   Calum  Mac  Gill- eathain,  M.A.,  an   Toisigheachd. 


ANN  an  toiseach  an  Fhoghair  chaochail  an 
duine  grinn  so,  ach  ged  nach  d'fhuair  e  an 
rim  a  bha  'n  a  chridhe  a  chur  an  gniomh,  tha 
e  fior  airidh  air  a  bhi  air  ainmeaehadh  anns 
na  duilleagan  Gaidhlig,  oir  bha  e  'g  a 
uUachadh  fein  air  son  dreuchd  na  minis- 
trealachd. 

Rugadh  is  thogadh  e  an  Cro  Leatha,  an 
Leodhas,  ach  a  thaobh  's  nach  robh  e  laidir 
'n  a  bhalach,  agus  nach  robh  sgoil  dltith  dha 
cha  robh  e  la  riamh  an  sgoil.  Fhuair  e  aig 
leac  an  teinntein  aig  athair  na  fhuair  e 
riamh  de  sgoil,  ach  air  a  shon  sin  bu  tearc 
iad  'n  a  latha  's  an  Eilean  Fhada  aig  an 
robh  eolas  Mhurchaidh,  an  t-eolas  air  a  bheil 
eolas  cinn  ach  air  an  fhearr  a  thig  eolas 
leabhraichean. 

Bha  e  deidheU  air  ministearan  is  searmoin 
o  bha  e  beag.  Chan  fhaiceadh  e  ministear 
ach  cor-uair,  is  docha  tri  uairean  's  a' 
bhliadhna.  Bha  an  t-agh  air  gu'n  robh 
Mghr  MacNaoimhein  an  Uig  agu«  e  fas  suas, 
agus  an  duine  beag  a  thachradh  ris  an  duine 
mhor  sin  gheibheadh  e  gradh  is  eolas  lom-lan. 
"  An  uair  a  bha  mise  6g,"  arsa  OUamh  rium, 
"  cha  robh  a  dhith  oirnn  air  son  sgoil  ach 
duine  aig  an  robh  fhios  air  rud  agus  balach 
agus  e  air  son  fios  a  bhith  aige  air  rud." 
Ma  ta,  bha  sgoil  na  diadhachd  air  son  la  no 
dha  gach  bliadhna  an  Ceann  Loch  Reiseasort; 
agus  an  uair  a  dh'fhalbhadh  Mghr  Mac- 
Naoimhein coir  bhiodh  a  shearmoin  aig 
Murchadh ! 


Cionnus,  arsa  am  Facal,  a  chreideas  iad 
mur  cluinn  iad  agus  cia  mar  a  chluinneas  iad 
gun  searmonaiche  ? 

Thainig  Murchadh  gu  bhi  creidsinn,  agus 
gu  bhi  fas  ann  an  gras  agus  ann  an  eolas 
ar  Tighearn  losa  Criosd.  Rinn  e  feum  de  na 
chual  e,  agus  rinn  e  uidhir  eile  de  na  leugh  e. 

An  uiridh  rinn  e  sgioblachadh  air  son  a 
dhol  do'n  Oil-thigh  agus  e  air  son  a  bhi  'n 
a  mhinistear.  B'eigin  dha  tarruinn  air  ais 
agus  na  dorsan  fosgailte.  Thainig  air  a  dhol 
fo  churam  dhotairean  agus  mu  dheireadh 
chuireadh  fo  operation  an  Stornabhagh  e. 
Agus,  sgeul  a'  bhroin,  cha  do  shoirbhich  leis 
a'  chilis  bu  mhiann  le  daoine,  agus  chaochail 
e  air  an  ochdamh  la  de'n  Lunasdail. 

Bha  an  toil  aig  Murchadh  ;  agus  thairg  e 
na  bha  aige.  Cha  robh  an  t-slainte  aige. 
Ach  CO  air  nach  deanadh  an  toil  agus  an 
dicheall  a  rinn  e  agus  a  threubhantas, 
druidheadh.  Cha  robh  broinein  gun  uallach 
air. 

Bha  e  air  aithris  mu  na  Ceiltich  o  sliean 
gu'm  bu  ghaisgeil  na  daoine  iad,  an  uair 
a  thuiteadh  fear  ghrad  leumadh  fear  eUe  's 
a'  bhearna-baoghail  'n  a  aite.  Agus  c6  aige 
tha  fhios  nach  tig  an  la  fhathast  anns  am 
faicear  giUe  eile  ag  eirigh  le  bratach  Mhurch- 
aidh agus  e  deanamh  an  ni  ud  a  bha  an 
cridhe  Mhurchaidh  a  chum  gloir  Dhe. 


Bu    laghach 
DomhnuUach. 


an     t-6igfhear     Murchadh 


Aig  an  Uinneig 


AN  drasd  's  a  ris  bithidh  caraid  a'  cur  chugam 
An  Raidheachan  Soisgeulach,  leabhar  a  tha 
air  a  chur  a  mach  ceithir  uairean  's  a' 
bhliadhna  le  buidheann  de  sgoilearan  aig  a 
bheil  taobh  ris  an  teagasg  a  bha  aig  Aith- 
richean  Rois,  teagasg  ris  nach  do  dhealaich 
an  Eaglais  Shaor  fhathast.  Tha  an  Raidh- 
eachan Soisgeulach   air  a  dheasachadh   leis 


an  Ard  OUamh  DomhnuU  MacGill-eathain,  an 
Dtm-eideann,  agus  naoi  no  deich  de  luchd- 
cuideachaidh  a  iomadh  diithaich,  agus  chan 
'eil  e  uair  air  bith  a'  tighinn  a  mach  gun  rud 
ann  as  fhiach  a  leughadh.  Anns  an  aireamh 
mu  dheireadh  tha  seanchas  ciallach  ann  mu 
chuspair  no  dha  a  bhuineas  an  dara  cuid  do 
sgoilearachd  a'  BhiobuiU,  no  do  bheatha  a' 


AIG  AN  UINNEIG 


chreidmhich,  ach  is  e  a  thug  orm  tarruing  a 
thoirt  air  an  drasd,  gu  bheil  iomradh  fada 
agus  cothromach  ann  air  a'  gheur-leanmhuinn 
a  rinneadh  air  na  h-Iudhaich  aims  na 
linntean  o  shean. 

Tha  na  h-Iudhaich  'n  an  sluagh  iongantach, 
agus  feumaidh  e  bhith  gu  bheil  obair 
shonraichte  aca  ri  dheanamh  anns  an 
t-saoghal  fhathast  ann  am  freasdal  Dhe, 
oir  ged  tha  lamh  gach  rioghachd  'n  an 
aghaidh  tha  iad  cho  laidir  's  a  bha  iad  riamh. 
Ach  am  measg  an  luchd-saruchaidh  thug 
Hitler  barr  air  each  uile. 


An  t-Urramach  Artur  H.  Dunnett,  B.D. 

Tha  iomadh  bliadhna  o  naeh  d'thainig  call 
cho  mor  air  Eaglais  na  h-Alba  's  a  thainig 
oirnn  le  bas  Mghr  Dunnett,  duine  feumail  a 
bha  suas  ri  ghnothuch  agus  a  bha  daonnan 
a'  toirt  an  aire  air  a  ghnothuch.  Bha  e  'n 
a  fhear  de  na  cinn  a  tha  aig  an  eaglais  ann 
an  Dun-eideann,  a'  riaghladh  thairis  air  a 
h-obair  aig  an  tigh.  Thoisich  e  air  riaghladh 
gu  maith  trath  'n  a  bheatha,  agus  bha 
ughdarras  mor  'n  a  laimh,  ach  cha  do  mhill 
sin  an  duine  iriosal  a  bha  ann  gu  nadurra, 
is  bha  e  cho  companta  agus  cho  falamh  de 
mhorchuis  anns  na  bliadhnachan  mu  dheir- 
eadh,  'n  a  shuidhe  anns  a'  chathair  as  airde 
ann  an  121  Sr4id  Sheorais,  's  a  bha  e  an 
uair  a  bha  e  'n  a  ghille-frithealaidh  aig  Mghr 
Dunlop.  Seirbhiseach  cho  ceart  agus  cho 
glic  agus  cho  neo-thruaillidh  's  a  bha  aig 
an  eaglais  riamh ;  duine  gun  sodal,  gun 
bhrosgul,  gun  charachd  ann,  b'  e  sin  Mghr 
Dunnett.  'N  a  fhacal  agus  'n  a  riaghladh 
agus  'n  a  dhoighean  bha  e  cho  direach  agus 
cho  cinnteach  ris  an  t-slait-thomhais. 

Ged  nach  robh  boinne  de  fhuil  nan 
Gaidheal  ann  bha  taobh  blath  aige  ris  a' 
Ghaidhealtachd,  agus  eud  mor  a  thaobh 
obair  na  h-eaglais  anns  a'  Ghaidhealtachd 
agus  anns  na  h-Eileanan,  air  an  robh  e  gu 
maith  eolach.  A  h-uile  samhradh  bhiodh  e 
mios  anns  a'  Ghaidhealtachd,  an  aite-eigin 
a'  searmonachadh  eadar  eUean  I  agus  abhainn 
lubh.  Bha  e  'n  a  charaid  maith  agus  'n  a 
chomhairliche  maith  do  mhiossionaraidhean 
na  Gaidhealtachd. 


DomhnuU  MacLeoid,  nach  maireann. 

Chaochail  an  duine  gasda  so  ann  a' 
Bhatarnis  anns  an  EUean  Sgitheanach. 
Thainig  e  gu  ruige  Trumpain  o  chionn  deich 
bliadhna  air  dha  fearann  ur  a  ghabhail  anns 
an  aite  sin.  Bhuineadh  e  do  Phaible,  an 
Uidhist  a  Tuath.  Bu  duine  e  air  an  robh 
mor  mheas  ann  an  Uidhist  agus  anns  an 
Eilean  Sgitheanach,  oir  bha  e  coibhneil, 
cothromach  na  ghne  ;  bu  duine  e  mar  an 
ceudna  bha  seimh,  socair,  agus  modhaU,  nach 
togadh  a  ghuth  ro  ard  as  a  leth  fhein.  Leugh 
e  moran  agus  bha  e  air  leth  tuigseach  agus 
farsuinn  'n  a  inntinn.  Bha  e  'n  a  eildeir  ann 
an  sgire  Phaible,  agus  choimhHon  e  an 
dreuchd  cheudna  le  mor  chliii  ann  an 
coimhthional  Bhatarnis.  Duine  coir,  grinn, 
air  am  bi  mor  ionndrainn  ann  an  Uidhist 
agus  an  Eilean  a'  Cheo. 

Facal  Dhe 

AN  uair  a  bha  an  t-Ollamh  Urramach 
Gilleasbuig  Domhnullach  'n  a  mhinistear 
6g  thug  Tearlach  Grey  Spittal,  a  bha  'n  a 
Shiorram  an  Steornabhagh,  Biobull  Beurla 
dha  a  bha  air  a  chur  an  clodh  an  1679.  Air 
clar-toisich  a'  Bhiobuill  bha  rannan  Beurla 
air  an  sgriobhadh,  rannan  a  ghleidh  an 
t-Ollamh  Domhnullach  aig  a  laimh  fad  tri 
fichead  bliadhna.  0  chionn  seachduin  no 
dha  thainig  e  thairis  orra,  is  chuir  e  an 
Gaidhlig  iad  gu  bhi  air  an  toirt  am  follais  air 
an  duilleig  so. 

An  so  tha  sruth  an  uisge  bheo, 

Bheir  tirachadh  nach  treig  ; 
An  so  tha  craobh  an  eolais  f  hior, 

Bheir  teagasg  dhuit  'n  ad  fheum. 

An  so  tha  'm  Breitheamh  uile  ghlic 

A'  reiticheas  gach  stri ; 
An  so  tha  'n  Ion  a  bheathaicheas, 

'S  nach  teirig  dhuit  a  chaoidh. 

An  so  tha  Sgeul  an  aoibhneis  mhoir 
Tigh'nn  gu  do  chridh'  le  buaidh, 

Do  dhaingneach  laidir  is  do  sgiath 
Gu  d'  dhion  's  gach  uile  chruas. 

Mar  sin  na  bi-sa  ann  ad  ghniomh 
Mar  ainmhidh  dall  gun  cheill, 

A  shaltras  air  an  neamhnaid  ghrinn 
'8  tha  thlachd  's  an  amar  bhreun. 

Jjcugh  so  a  mhain  le  fradharc  glan 

Is  ionracas  gun  gho, 
Ag  iirnuigh  air  son  gras  do  Dlie 

Clium  tuigsinn  mar  is  coir. 


CUiCCVlONPin* 


Aireamh  ii 


4>^' 

••'^>^ 

^0 

fs 

'^'N:i 

Ws' 

■:iM 

.g>^ 

1940 


Aig  do  dhorus 

Leis  an  Urramach  Iain  Mac-a-Phearsoin,  M.A.,  an  Tigh-an-uilU. 

Feuch,  tha  mi  am  sheasamh  aiq  an  dorus  agus  a'  bualadh ;   ma  dh'  iisdeas  neach 

sam  hith  ri  m'  ghuth,  agus  f;  .-i  fosgail  e  an  dorus,  thig  mi  a  steach  da  ionnsuidh, 

agus  gabhaidh  mi  mo  shuipeir  maille  ris,  agus  esan  maille  rium-sa. 

Taisbean,  iii.  20. 


"  MA  chi  thu  uair  air  bith  gu  bheil  duine 
ann  an  cunnart  tha  thu  a'  glaodhach  ris  air 
son  gu'm  bi  e  furachail  's  gu'n  seachain  e  an 
cunnart. 

Tha  Dia  gle  thric  a'  glaodhach  ri  mac  an 
duine  nuair  tha  e  air  thuar  tuiteam  ann  am 
peacadh  no  ann  am  buaireadh.  Feuch! 
Feuch ! 

Tha  Dia  'na  sheasamh  aig  dorus  gach  aon 
againn  's  tha  e  a'  bualadh  air  iomadh  doigh. 
Aig  cuid  de  dhorsaibh  tha  e  a'  bualadh  gu 
socair  citiin.  Aig  cuid  eile  tha  e  a'  bualadh 
gu  math  cruaidh.  Nuair  tha  aon  do'n  d' 
thug  thu  gr^dh  air  a  mharbhadh  's  a' 
chogadh,  air  muir  no  air  tir,  no  a'  siubhal  < 
aig  an  tigh,  tha  Dia  an  sin  a'  bualadh  aig 
do  dhorus.  Tha  cuid  ann  's  chan  'eil  suim 
aca  do  nithean  spioradail  gus  am  buail  Dia 
gu  math  cruaidh  aig  an  dorus  aca  leis  a' 
bhas  ;  an  sin  tha  iad  air  an  dusgadh,  's 
tha  iad  a'  guidhe  air  Dia  air  son  cobhair 
agus  trocair. 

Tha  neach  eile  ann  's  nuair  bha  e  l^idir 
treun  cha  sealladh  e  air  eaglais,  's  cha  robh 
e  a'  faicinn  feum  ann  an  aoradh  no  ann  an 
tirnuigh,  ach  nuair  tha  e  air  a  leagail  sios  le 
tinneas  craiteach  sgitheil  their  e  riut  "  Ma 
chaomhnas  Dia  mi  air  an  turns  so,  cha  bhi 
mi  cho  mi-shuimeil  tuille  mu  mheadhonan 
nan  gras."  Nach  'eil  e  feumail  gu'm  biodh 
na  daoine  sin  air  an  dusgadh  air  doigh  air 
choireigin  a  chum  gu'n  cluinn  iad  Dia  a' 
labhairt  riu,  agus  a'  bualadh  aig  an  doius  aca  ! 

Bho  chionn  ghoirid  chuala  mi  mu  sheann 
duine  a  bha  a'  fuireach  leis  fein.  Aon  latha 
chan  fhaca  na  coimhear&naich  a  mach  mu'n 
cuairt  e,  ni  mo  a  chunnaic  iad  ceo  as  an 
luidheir  aige  ;  dh'fheuch  iad  an  dorus  ach 
bha  e  glaiste  ;  an  sin  ghairm  iad  air,  air 
ainm,  agus  bhuail  iad  an  dorus  gu  math, 
ach  cha  d'  fhuair  iad  freagairt.  Mu  dheireadh 
chuir  iad  a  stigh  an  dorus  romhpa  's  fhuair 
iad  marbh  gun  chrith  anns  an  leabaidh  e. 

Car  son,  mata,  nach  cuireadh  Criosd  a 
stigh  roimhe  dorus  a  chri^he,  oir  tha  l^n 
choir  aige  air,  nach  e  fein  a  rinn  'sa  dhealbh 
e !     Ged  dheanadh  e  sin  ciod  e  an  tlachd  a 


biodh  aige  ann  an  ^ite  far  nach  robh  iarraidh 
air.  Cha  bhiodh  na  h-aoidhean  eile  a  tha 
stigh  toilichte  no  socair  'na  chuideachd. 
Dh'  fh^g  e  gach  duine  aig  saorsa  a  thoile 
fein,  agus  cha  teid  e  gu  brath  a  steach  le 
lamhachas-l^idir  mur  faigh  e  Ian  chuireadh, 
's  gu'm  bi  an  dorus  air  fhosgladh  dha. 

Tha  mi  cinnteach  gu'n  cual  a  chuid  mhor 
a  leughas  na  briathran  so  iomradh  air  an 
dealbhadair  Holman  Hunt.  Tharruing  e  aon 
uair  dealbh  agus  ged  nach  tarruingeadh  e  te 
eile  gu  brath  tuille  cha  rachadh  ainm  air 
dith-chuimhne.  Chi  thu  anns  an  dealbh  sin 
Criosd  'na  sheasamh  aig.  an  darus  's-  lochra^ 
laiste  aige  ann  an  aon  laimh,  's  leis  an  te 
eile  tha  e  a'  bualadh  aig  an  dorus. 

Tha  e  air  radh  gu'n  do  leig  e  fhaicinn  an 
dealbh  so  do  charaid  feuch  am  faigheadh  e  a 
bheachd  oirre.  Shaoil  e  gu'n  robh  e  sonruichte 
math,  ach  bha  e  a'  faicinn  aon  ni  'ga  dith, 
cha  robh  diinadh  idir  air  taobh  a  mach  an 
doruis.  "  0,"  ars  an  dealbhadair,  "  's  ann  air 
an  taobh  a  stigh  a  ta  an  dunadh,  agus  's 
ann  o'n  taobh  a  stigh  a  dh'  fheumas  an 
dorus  a  bhi  air  fhosgladh . ' '  Mar  sin  feumaidh 
Criosd  seasamh  gu  foidhidneach  aig  an  dorus 
gus  am  bi  e  air  fhosgladh  o'n  taobh  a  stigh. 
Cho  fhad  's  a  bhios  anail  a  stigh  cha  chaill 
esan  a  dhochas. 

Gle  thric  tha  aoidhean  eile  stigh,  's  tha 
iad  air  an  doigh  gu  math  ;  chan  'eil  iad  'g  a 
iarraidh,  's  mar  sin  tha  iad  a'  toirt  cluas 
bhodhar  dha.  ' '  Feuch  tha  mi  'n  am  sheasamh 
aig  an  dorus  agus  a'  bualadh." 

An  gealladh. 

"  Ma  dh'fhosglas  neach  air  bith  an  dorus 
thig  mi  a  steach  agus  gabhaidh  mi  mo 
shuipeir  maille  ris,  agus  esan  maiUe  ruim-sa." 

Nuair  tha  an  dorus  air  fhosgladh  tha  na 
h-aoidhean  eile  a'  teicheadh  a  mach,  's  tha 
Criosd  a'  dol  a  steach.  Ann  an  uine  ghoirid 
tha  atharrachadh  mor  air  a'  chridhe  ud,  's 
tha  sith  is  solas  ann  nach  robh  ann  riamh 
roimhe. 

Ach  cuimhnich  nach  tig  e  gu  br^th  a 
steach    mar    aon    de    na    h-aoidhean    eile : 


X 


AIG  DO  DHORUS— CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL 


feumaidh  e  a'  cheud  ^ite  fhaotainn,  an 
seomar  uachdrach.  Ma  chuireas  tu  an  sin 
e,  tha  gach  ni  mar  is  coir.  C'aite  bheil 
Criosd  an  diugh  'na  do  bheath-sa  ?  a  bheil 
e  's  an  t-seomar  uachdrach,  no  bheil  a  cheann 
flinch  le  dealt  na  h-oidhche  's  e  'n  a  sheasamh 
a  muigh,  a'  bualadh  aig  an  dorus  ? 

An  t-Suipeax  bheannaichte. 

Tha  mi  a'  smuaineachadh  nach  'eil  ^ite 
eile  ann  far  an  driiidh  na  briathran  so  air 
cridhe  duine  mar  dhrtiidheas  iad  aig  bord  a' 
Chomanachaidh . 

Tha  am  bord  cuirnichte  ;  tha  na  samh- 
laidhean  air  an  caradh  air  ;  tha  e  air  a 
chuartachadh  ;  tha  gach  smuain  agus  gach 
cridhe  togta  suas  ;  tha  aoibhneas  a'  lasadh 
suas  anns  gach  gniiis. 

"  So  fSn  an  la  a  dh'drduich  Dia, 

'S  am  hi  sinn  suilbhir  ait ; 

Fdir,  guidheam,  guidheam  ort,  a  Dhe' 

Nis  soirbhich  leinn  gu  pailt." 

'S  e  an  sluagh  a  chual  a  ghlaodh  's  a  dh' 
fhosgail    an    dorus    dha,    tha    cruinn    mu'n 


bhord.  Bhlais  iad  gu  bheil  an  Tighearn 
grasmhor,  's  tha  an  coimhcheangal  ris  air  a 
dhaingneachadh  aig  a'  bhord.  Tha  iad  a' 
faicinn  nan  samhlaidhean  fan  comhair,  's 
tha  iad  ag  iocadh  am  bold  do  Dhia  as  ur. 
Mar  tha  na  bliadhnachan  a'  dol  seachad  tha 
iad  a'  dol  o  neart  gu  neart  gus  an  nochdar 
iad  fa  dheoidh  ann  an  lathair  Dhe  nam  feart. 

Am  biadh  mu  dheireadh. 

'Sea  shuipeir  am  biadh  mu  dheireadh  a 
ghabhas  duine  mu'n  teid  e  a  chadal.  Tha 
gach  comanachadh  a  tha  dol  seachad  'na 
shuipeir  mu  dheireadh  do  chuideigin.  C'aite 
an  diugh  a  bheil  an  neach  a  bha  ri  do  thaobh 
aig  a'  Chomanachadh  mu  dheireadh.  Ghair- 
meadh  dhachaidh  e  's  tha  e  a'  triall  romhainn 
air  an  t-sUghe  gu  tir  an  4igh.  Chan  fhaic 
sinn  aig  Suipeir  an  Tighearn  gu  brath  tuille 
air  an  talamh  e,  ach  an  uair  a  bhriseas  an 
la  'sa  theicheas  na  sgailean  bidh  e  maille  ri 
Criosd  ann  an  gloir  far  nach  bi  dealachadh 
no  eadar-sgaradh  na's  mo.  "  Gabhaidh  mi 
mo  shuipeir  maille  ris  agus  esan  maUle 
riumsa." 


Ceannairceach  agus  am  BiobuU 


Le  S.M. 


THEAGAMH  gu'n  cual  a  h-uile  duine  a 
leughas  an  duUleag  so  mu'n  ar-a-mach  a 
rinn  sgioba  na  luinge,  Toirbheartas,  bho 
chionn  corr  agus  seachd  fichead  bliadhna, 
nuair  a  chuir  iad  an  sgiobair  agus  ochd  duine 
deug  ann  an  geola  bhig  agus  a  leig  iad  air 
falbh  iad  air  iomadan  air  a'  chuan.  Chaidh 
na  ceannaircich  air  tir  an  Tahiti,  is  thuinich 
iad  anns  an  eilean  sin. 

An  ceann  bliadhna,  air  eagal  gu'n  tigeadh 
toir  air  agus  gu'n  rachadh  a  chur  an  sas, 
dh'  fhag  Fletcher  Christian  an  t-eilein,  is 
chaidh  e  fada  anns  an  aird  an  ear-dheas  gu 
eilean  a  b'  iomaUaiche.  Thug  e  leis  naoi 
seoladairean  Breatunnach,  sia  daoine  dubha, 
agus  dha  dheug  de  mhnathan  dubha  ;  agus 
m'  an  deachaidh  iad  air  tir  chuir  iad  toll 
anns  an  luing  is  chaidh  i  fodha. 

Eadar  tinneas  agus  an  ruidhtearachd  fein 
cha  d'  fhuair  na  daoine  geala  ach  saoghal 
goirid  anns  an  eilean ;  an  ceann  naoi 
bliadhna  cha  robh  beo  ach  aon  duine  geal, 
coignear  de  na  boirionnaich  dhubha,  agus 
naoi  deug  de  chloinn. 

An  sin  thoisich  am  Breatunnach  ud,  Iain 
Adams,  air  eagal  a  ghabhail  oir  chunnaic  e 
gu  soilleir  nach  robh  air  thoiseach  air  ach 
am  bas. 


An  la  na  h-6iginn. 

An  sin  thug  e  lamh  air  a'  BhiobuU  ;  ged 
nach  robh  e  fhein  no  a  chompanaich  a' 
riaghladh  am  beatha  le  teagasg  a'  Bhiob- 
uill,  lean  Fletcher  Christian,  ceann-feadhna 
nan  ceannairceach,  ris  an  leabhar  fad  na 
h-uine.  Gus  mo  naidheachd  a  ghiorrachadh 
rinn  am  BiobuU  duine  ur  de  Iain  Adams, 
agus  chan  e  mhain  gu  robh  e  fhein  air 
atharrachadh  ach  bha  each  air  an  athar- 
rachadh  cuideachd.  Fad  dheich  bliadhna 
fichead  bha  e  'n  a  cheann  agus  'n  a  aodhair 
thairis  orra,  'g  an  teagasg  ann  an  eolas  na 
Firinn  agus  a'  riaghladh  an  eilein  a  reir 
laghannan  a  bha  air  an  tarruing  as  a'  Bhiob- 
uU. 

M'  an  do  chaochaU  e  ghairm  e  cinn  nan 
teaghlaichean  'g  a  ionnsuidh  agus  shonraich 
e  aon  dhiubh  gu  bhi  'n  a  cheann  air  an 
eUean. 

Eilean  Pitcaim. 

Sin  an  t-eilean  ris  an  abrar  eUean  Pitcairn 
an  diugh,  eUean  a  bhuineas  do  Bhreatunn 
a  nis,  agus  is  ann  o  sgioba  na  luinge  ud  a 
thainig  na  daoine  a  tha  anns  an  eUean.  Bha 
iad  uUe  air  dol  as  an  t-seaUadh  mur  b'e 
gu'n  d'  fhosgaU  Iain  Adams,   an  seoladair 


CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL 


neo-dhiadhaidh  ud,  am  Biobull  'n  a  eiginn, 
agus  gu'n  d'  fhuair  e  ann  a'  bheatha  agus  an 
gliocas  a  tha  o  shuas. 

Tha  a'  cheart  chumhachd  so  anns  a' 
BhiobuU  an  diugh  fhathast,  is  chithear 
na  nithean  tha  e  a'  deanamh  anns  na 
laithean  so  fhein.  Bho  chionn  ghoirid  reic 
missionaraidh  ann  an  ceann  a  Deas  America 
Biobull  ri  boirionnach  a  cheannaich  an 
leabhar  a  chionn  gu  robh  e  saor.  Chuir  i  air 
an  sgeUp  e,  far  an  robh  e  an  iiine  bheag  air 
a  chomhdachadh  le  stur  is  salchar.  An  sin 
bha  e  air  a  thilgeadh  a  mach  air  an  diinan, 
far  an  do  thoisich  na  duilleagan  air  cnamh. 
La  de  na  laithean  thainig  ban-choimhearsnach 
'g  a  faicinr;,  agus  paisde  aice.  Bha  am  paisde 
a'  cluicheachd  mu'n  cuairt  an  dunain ; 
faicear  an  leabhar  ud  air  an  dunain  is  togar 
e.  Chaidh  i  a  steach  leis  is  dh'  fhaighnich 
i  am  faodadh  i  a  thoirt  dhachaidh  leatha. 
Thubhairt  am  boirionnach  gu'm  faodadh, 
oir  nach  robh  feum  air  bith  aice-se  air.  An 
uair  a  chaidh  iad  dhachaidh  sheall  mathair 
na  caUeig  air  an  leabhar,  agus  is  e  an  smuain 
a  thainig  'n  a  h-intinn  gu'm  biodh  na 
duUleagan   gasda   a   dheanamh   cigarettes. 

Sin  mar  bha  ;  bhiodh  i  a'  sracadh  duilleig 
as  a'  Bhiobull  a  h-uile  uair  a  dheanadh  i 
cigarette  dhi  fhein.  La  a  bha  i  a'  sracadh  an 
leabhair  thug  an  duine  aice  as  a  laimh  e  a 
dh'  fhaicinn  ciod  an  seorsa  leabhair  a  bha 
ann,  no  ciod  a  bha  air  a  sgriobhadh  arm. 
Labhair  an  Spiorad  Naomh  a  tha  anns  an 
Fhacal  ri  cridhe  an  duine,  is  air  a'  cheann 
mu  dheireadh  bha  e  fhein  agus  a  chompanach 
— duine  ain-diadhaidh  eile^ — air  an  iom- 
pachadh.  Dhearbh  Facal  an  Tighearn  orra 
am  peacaidhean,  ach  fhuair  iad  anns  na 
duilleagan  sracte  eolas  air  slighe  na  slainte, 
is  ghabh  iad  ris  an  t-saorsa  a  tha  Dia  a' 
tairgsinn  dhuinn  ann  an  Criosd.  Bha  iad 
air  an  cur  air  lath  mar  fhoirbhich  anns  a' 
cheud  eaglais  a  chuireadh  air  chois  anns 
an  aite,  is  shaothraich  iad  gu  dileas  ann  an 
seirbhis  an  Tighearn  ;  gun  mhissionaraidh 
eile  'g  an  teagasg  ach  a  mhain  an  Spiorad 
Naomh  a  tha  labhairt  anns  a'  Bhiobull, 
bha  iad  air  an  toirt  a  steach  do  rioghachd 
Dhe. 

An  Fhianius  shiorruidh. 

Tha  fianuis  d'a  fhirinn  fein  ann  am  Facal 
Dhe  ;  ciod  air  bith  canain  a  thionndar 
innte  e  labhraidh  e  ri  coguis  dhaoine  a 
leughas  e.  Bheir  e  air  daoine  seasamh  an 
lathair  Dhe  agus  iad  fein  fhaicinn  an  solus 
a  lagha-san.  Cluinnidh  iad  an  coguis  fein 
a'  labhairt  ann,  'g  an  diteadh.  Ach  an  uair 
a  dhiteas  e  iad,  an  sin  togaidh  e  suas  m'  an 


coinneamh  an  Slanuighear  a  chuir  Dia,  do'n 
t-saoghal  'g  an  te^rnadh. 

Ach  gus  tilleadh  gu  eilean  Phiteairn,  dh' 
fhas  muinntir  an  eUein  na  bu  lionmhoire 
(bha  mu  choig  fichead  anam  ann),  is  dh' 
fhas  am  Biobull  a  bha  aca  an  urram  agus 
an   cumhachd. 

Thoisich  bataichean  a  bhiodh  a'  dol 
seachad  air  an  eilean  air  tadhall  ann,  a  chur 
seachad  na  Sabaid  agus  a  ghabhail  pairt 
ann  an  aoradh  Dhe.  B'  ann  leis  a'  bhan- 
traich  aig  Fletcher  Christian  a  bha  am 
Biobull,  ach  bha  an  clodh  meanbh  agus  a 
sealladh  a'  dol  air  ais.  Mar  sin  rinn  i  iomlaid 
ri  sgiobair  a  bha  air  soitheach  Americanach  ; 
ghabh  esan  an  Biobull  anns  an  robh  an 
clodh  meanbh  is  thug  e  dhi  BiobuU  a  bha 
aige  le  clodh  garbh  a  b'  fhasa  dhi  leughadh. 
An  uair  a  chaidh  e  air  ais  a  dh'  America 
thug  e  am  Biobull  aig  Fletcher  Christian  do 
mhinistear  araidh,  am  Boston.  Chuir  esan 
clair  ura  air,  agus  thug  e  e  do'n  leabhar-lann 
an  New  York,  far  a  bheil  e  a  nis  air  a 
ghleidheadh   gu   sabhailte. 

Gun  choimeas  ris. 

Chan  'eil  leabhar  air  an  t-saoghal  an  diugh 
a  tha  air  a  leughadh  le  uiread  dhaoine  ris 
a'  Bhiobull.  Ged  tha  cleachdanna  dhaoine 
ag  atharrachadh  chan  'eil  cumhachd  a' 
Bhiobuill  ag  atharrachadh,  no  aireamh  nan 
daoine  a  tha  'g  a  leughadh, — righrean  is 
ceaird,  uachdarain  is  iochdairean,  sgoilearan 
Is  daoine  gun  sgoU,  seann  daoine  is  daoine 
oga,  ministearan,  clachairean,  cleirich.  Leugh- 
ar  e  anns  a'  phriosan,  leughar  e  ann  an 
seomar  an  Righ.  B'  abhaist  do  Alecsandra 
nach  maireann,  mathair  Righ  Deorsa,  a 
clann  a  chruinneachadh  timchioU  oirre  air 
feasgar  Sabaid  a  sheinn  laoidhean  Shankey  ; 
an  uair  a  bha  an  Righ  'n  a  bhala'ch  gheall 
e  dhi  gu'n  leughadh  e  caibideal  de'n  Bhiobull 
a  h-uile  latha. 

Ceasnaich  thu  fein. 

Tha  mi  cinnteach,  a  leughadair,  gu  bheil 
Biobull  agad-sa  dhuit  fein.  A  bheil  thu  'g 
a  leughadh  ?  Sin  an  gnothuch.  Chuala 
mi  mu  ghille  6g  a  bha  cho  eolach  air  Htir 
a'  Bhiobuill  's  gu  robh  e  an  duil  nach  robh 
feum  ann  dha  leantuinn  air  a  leughadh. 
Ach  leth-cheud  bliadhna  'n  a  dheidh  sud 
bha  e  fhathast  'g  a  leughadh,  'g  a  rann- 
sachadh,  agus  'g  a  shearmonachadh,  agus 
a'  faotainn  ann  saoibhreas  grais  agus 
gliocais.  An  uair  a  sgriobh  Pol  gu  Timoteus 
thubhairt  e  ris,  "  O  bha  thu  ad  leanabh  b' 
aithne  dhuit  na  sgriobturan  naomha  a  tha 


CEANNAIRCEACH  AGUS  AM  BIOBULL— NA  TRI  LEABHRAICHEAN 


comasach  air  do  dheanamh  glic  chum 
slainte  tre  'n  chreideamh  a  tha  ann  an  losa 
Criosd"   (2  Tim.  iii.   15). 

An  teachdaireachd  so. 

Sin  an  teachdaireachd  a  bu  mhaith  leam 
a  thoirt  do  luchd-leughaidh  na  duilleig  so, 
gur  ann  tre  Fhacal  Dhe,  agus  tre  shoill- 
seachadh  an  Spioraid  Naoimh,  a  tha  daoine 
air  an  tarruing  gu  losa  Criosd  agus  a'  faotainn 
beatha   nuadh   bhuaith. 

Ma  dh'  fhaoidte  gu'n  leugh  cuid-eigin  an 
duilleag  so  nach  'eil  a'  dol  do'n  eaglais  ; 
cuid-eigin  nach  'eil  riaraichte  leis  an  eaglais. 
Feuchadh  an  duine  sin,  ma  ta,  ciod  a  tha 
aig  a'  Bhiobull  ri  radh  ris  mu  Dhia.  Chan 
urrainn  sinn  teicheadh '  bho  Dhia,  oir  feum- 
aidh  sinn  uUe  cunntas  a  thoirt  dhasan. 

Ann  am  baile  beag  am  Brazil  bha  sagart 
'n  a  sheasamh  aon  la  a'  sracadh  a'  Bhiobuill 
'n  a  chriomagan  agus  a'  tUgeadh  nan 
criomagan  ann  an  teine.  Cha  robh  an  sluagh 
a  chruinnich  timchioU  air  idir  toilichte  leis 
an  obair  a  bha  e  a'  deanamh,  oir  beagan 
roimh  sud  cheannaich  iad  na  Biobuill  o 
shoisgeulaiche  a  bha  'g  an  reic  anns  a' 
bhaile,  ach  cha  leigeadh  an  sagart  led  an 
gleidheadh  no  an  leughadh. 

Thog  a'  ghaoth  aon  duilleag  as  an  teine, 
agus  air  a  sgiathaibh  bha  i  air  a  giulan  a 
steach  air  uinneig  araidh  air  an  t-sraid. 
Thog  bean-an-tighe  an  duilleag ;  leugh  i 
cuid  de  na  bha  air  a  sgriobhadh  oirre,  is 


thubhairt  i  rithe  fhein,  "  Leigidh  mi  so 
fhaicinn  do  mo  cheUe,  oir  is  ann  a  leabhar 
naomh  a  tha  e."  "  'S  ann  gun  teagamh, 
ars'  an  duine,  ma  dh'  fhaoidte  gu'm  faigh 
sinn  an  corr  de'n  naidheachd  la  air  chor- 
eigin." 

Chaidh  bliadhna  seachad.  La  a  thadhaill 
fear  a  bha  reic  leabhraichean  aig  an  dorus, 
leig  am  boirionnach  fhaicinn  an  duilleag 
dha,  is  dh'  fheoraich  i  dheth  c'  aite  am 
faigheadh  i  an  corr  de'n  naidheachd. 

"  Gheibh  anns  an  leabhar  so,"  agus 
thionndaidh  e  suas  dhi  an  treas  caibideil 
de  shoisgeul  Eoin  far  a  bheil  e  air  innseadh 
mar  thainig  Nicodemus  gu  losa  anns  an 
oidhche,  oir  b'e  na  briathran  a  bha  air  an 
duiUeig,  "  Oir  is  ann  mar  so  a  ghradhaich 
Dia  an  saoghal  gu'n  d'  thug  e  aon-ghin 
Mhic  fein  chum  agus  ge  b'e  neach  a  chreideas 
ann,  nach  sgriosar  e,  ach  gu'm  b'i  a'  bheatha 
shiorruidh    aige." 

Cheannaich  i  an  leabhar,  agus  le  othail 
dh'  innis  i  uime  d'a  ceile  an  uair  a  thainig 
e  dhachaidh  bho  obair.  Thoisich  iad  ak 
a'  BhiobuU  a  leughadh,  is  fhuair  iad  ann 
saorsa  d'  an  anam  agus  sith  Dhe.  Aon  as 
deidh  aoin  bha  an  teaghlach  uUe  air  an 
toirt  gu  Dia,  air  chor  agus  gu  robh  an  tigh 
ud  mar  choinneal  anns  an  aite. 

Togaibh  an  sgeul,  a  ghaoithean, 

'S  a  thonnan  aobhach  mor, 
Bho  thraigh  gu  traigh  'ga  sgaoileadh, 

Mar  aon  chuan  boillsgeach  gloir. 


Ann  an  Htreachas  an  t-saoghaU  b'e  roghainn 
an  fhir  nach  maireann,  an  t-Ollamh  Iain 
Stiubhard  Blackie,  bardachd  Homer,  sailm 
Dhaibhidh,  agus  orain  Bhurns.  B'e  an 
t-salm  so  a'  cheud  te  a  dh'ionnsaich  e  air 
a  theangaidh  'n  a  phaisde,  agus  b'i  an  te 
mu  dheireadh  a  bha  au-  a  bhUean  m'an  do 
shiubhail  e.  Leis  an  anaU  mu  dheireadh  a 
bha  aige  bha  e  ag  aithris  shalm  gu  beag  ris 
fhein. 

Eadhon  am  measg  nithean  mora  tha  an 
t-salm  so  mor  agus  maiseach  ;  bha  ionghnadh 
agus  moladh  ann  an  cridhe  an  duine  a  rinn 
i,  oir  ciod  air  bith  taobh  an  tionndadh  e 
bha  e  a'  faicinn  comharraidhean  air  gloir 
agus  cumhachd  agus  gliocas  an  Ti  a  chruth- 
aich  na  neamhan  agus  an  talamh. 

Tha  na  neamhan  ag  aithris  gloir  Dhe, 
Agus  na  speuran  a'  cur  an  dill  gniomh 
a  lamh. 


Na  tri  leabhraichean 

(Salm  xi.) 
Tha  na  neamhan  a'  cur  an  ceill  gloir  Dhe  (1). 
Is  iomlan  lagh  an  Tighearna  (7). 
0  lochd  diomhair  glan  thusa  mi  (12). 

A'  cheud  leabhar. 


Fada  m'  an  do  thoisich  na  faidhean,  no  na 
salmadairean,  no  na  h-abstoU,  air  searmon- 
achadh  bha  na  neamhan  ag  innseadh  do 
chloinn-daonna  gu  bheil  Dia  ann,  agus  ged 
bhiodh  gach  fianuis  eile  a  tha  aig  Dia  anns 
an  t-saoghal  air  an  cur  'n  an  tosd,  leanadh 
na  speuran  agus  na  reultan  air  fianuis  a 
thoirt  d'  an  Cruithear,  ag  radh  gun  sgur, 
"  Nach  mor  an  Ti  a  thug  dhuinn  ar  bith  !  " 

SaoUidh  ministearan,  agus  luchd-teagaisg, 
agus  maighstirean-sgoile,  gur  e  iadsan  a  tha 
a'  Qumail  dhaoine  cuimhneachail  air  Dia, 
agus  chan  'eil  teagamh  nach  'eil  iad  'g  a 
dheanamh  ann  an  tomhas  beag,  ach  tha 
daoine  air  an  cumail  cuimhneachail  air  Dia 
le  fonn  is  cuan,  leis  na  speuran  os  an  cionn 
agus  an  talamh  fo  'm  bonn,  agus  mile  guth 
eile  leis  a  bheil  obair  a'  Chruitheir  a'  labhairt 
riu. 


NA  TRI  LEABHRAICHEAN. 


Co  is  urrainn  sealltuinn  air  a'  ghrein  a' 
dol  as  an  t-sealladh  anns  a'  Chuan  Shiar 
air  feasgar  ciuin,  agus  an  iarmailt  uile  os  a 
cionn  a'  dearrsadh  le  daithean  oirdhearc 
nach  fhacas  riamh  anns  a'  bhreacan  as 
riomhaiche  a  dhealbh  lamhan,  gun  a  chridhe 
a  thoirt  leum  as  le  gairdeachas,  no  gun 
faireachduinn  a  bhi  aige  gur  e  Dia  agus  nach 
e  duine  a  thug  a  h-aithne  agus  a  cursa  do'n 
ghrein. 

Nach  bu  mhaith  an  sgoil-oidhche  do 
dhaoine  seasamh  air  an  raon  air  oidhche 
shoilleir,  a'  dearcadh  le  ionghnadh  agus 
tuigse  air  na  lochrain  dhealrach  a  tha .  ri 
fhaicinn  'n  am  miltean  anns  an  speur, 
reultan  a  tha  cuid  dhiubh  cho  fad  air  falbh 
's  gu  bheil  an  gath  soluis  a  thig  bhuapa  a' 
siubhal  da  mhile  bliadhna  m'an  ruig  e  an 
saoghal   so, 

Samhach  is  ciuin  ged  tha  an.  triall, 
Mu'n  talamh  dhorcha  so  ag  iadh, 
Guth  ged  nach  cluinnear  f 6s  no  fuaim 
'N  an  imeachd  dealrach  tosdach  shuas  ; 
Gidheadh  le  cluasaibh  tuigse  glic 
Cluinnear  am  fonn  's  an  ceol  gu  trie, 
A'  seinn  gun  tamh  air  feadh  gach  linn, 
"  Is  tusa,  Dhia,  a  chruthaich  sinn." 

Ged  tha  na  neamhan  tosdach  agus  ged 
nach  'eil  cainnt  no  briathran  aig  na  reultan 
tha  iad  na's  drdidhtiche  mar  fhianuisean 
do  Dhia  na  na  searmonaichean  as  briath- 
raiche  air  thalamh  ;  tha  an  teachdaireachd 
air  a  liubhairt  ann  an  cainnt  dhiomhair  a 
thuigear  anns  gach  tir  agus  leis  gach  cinn- 
each.  Cha  ruig  facal  Spurgeon  ach  air 
Sasunnaich  no  air  muinntir  na  Beurla  ach 
ruigidh  facal  a'  Ghrioglachain  gu  criochan 
an   domhain. 

An  dara  leabhar. 

Ach  ged  tha  na  neamhan  agus  oibre  a' 
Chruthachaidh  a'  cur  an  ceill  gloir  agus 
cumhachd  agus  gliocas  an  Tighearna  b' 
aithne  do'n  t-Salmadair  leabhar  eUe  anns 
am  faighear  fianuis  do  Dhia  a  tha  na's 
fhearr  agus  na's  cinntiche  na  gheibhear 
anns  na  speuran,  am  Biobull ;  leabhar  anns 
a  bheil  reachdan  iomlan  air  son  na  beatha 
so,  a  ni  daoine  simplidh  glic,  agus  a  shoUl- 
sicheas  an  siiilean. 

Ciod  a  bha  an  Salmadair  a'  ciallachadh 
le  "  lagh  lehobhah,"  "  fianuis  lehobhah," 
"  orduighean  lehobhah,"  "  aithne  lehobh- 
ah," "  breitheanas  lehobhah  ?  "  Bha  lagh 
Mhaois,  ach  a  thuilleadh  air  lagh  Mhaois, 
gach  foillseachadh  a  rinn  Dia  air  fein  le 
faidhean  do  na  h-aithrichean.  Ged  bha  lagh 
Mhaois  gu  maith  teann  cha  robh  e  'n  a 
uallach  do'n  t-Salmadair  no  do  dhaoine  air 
bith  air  an  robh  eagal  lehobhah,   oir  bha 


fhios  aca  gu'n  robh  an  lagh  iomlan  agus  gur 
mor  sith  na  muinntir  aig  a  bheU  gradh  dha. 

Thoir  an  aire,  a  leughadair,  an  cHii  a 
tha  an  Salmadair  a'  toirt  air  lagh  Dhe  no 
air  a'  Bhiobull ;  tha  e  iomlan,  agus  cinnteach, 
agus  ceart,  agus  glan,  agus  cho  fiachaU  's 
gu  bheil  saoibhreas  mor  aca-san  aig  a  bheU 
tart  'n  an  anam  air  a  shon. 

Ach  ged  bu  mhaith  am  BiobuU  a  bha  aig 
an  t-Salmadair  tha  Biobull  as  fhearr  againne  ; 
BiobuU  anns  a'  bheil  an  soisgeul  cho  maith 
ris  an  lagh,  agus  foillseachadh  air  a  dheanamh 
air  Dia,  chan  ann  a  mhain  ann  am  facal,  ach 
ann  am  beatha.  Binneadh  am  facal  'n  a 
fhedil,  agus  chunnaic  sinn  a  ghloir  Ian  grais 
agus  fir  inn. 

Tha  na  neamhan  a'  foillseachadh  cumh- 
achd agus  m6rachd  Dhe  ;  tha  an  lagh  a' 
foillseachadh  a  thoU  naomh,  ach  ann  an 
losa  Criosd  chithear  a  ghras.  "  Is  aithne 
dhuibh  gras  an  Tighearn  losa  Criosd,  ged 
bha  e  saoibhir,  gidheadh  gu  'n  d'  rinneadh 
bochd  e  air  bhur  son-se,  chum  gu'm  biodh 
sibhse  saoibhir  tre  a  bhochdainn-san." 

An  treas  leabhar. 

"  Is  ann  tre  an  lagh  tha  eolas  peacaidh," 
tha  Pol  ag  radh,  rud  a  b'aithne  do'n  t-Salma- 
dair fada  roimh  la  Phoil.  Chuir  an  lagh  gu 
fein-cheasnachadh  e,  agus  an  uair  a  rannsaich 
e  a  chridhe  fein  chuir  na  chunnaic  e  'n 
a  chridhe  fein  air  a  ghluinean  e,  ag  urnuigh 
ri  Dia,  "  o  lochdan  diomhair  saor  thusa  mi." 

Tha  lochdan  diomhair  fada  na's  miosa 
na  peacaidhean  foUaiseach,  ach  ciod  air 
bith  a  dhuisgeas  coguis  duine  agus  a  bheir 
a  lochdan  diomhair  gu  chuimhne  tha  an  ni 
sin  'n  a  mhaighstir-sgoil  'g  a  thoirt  gu 
Criosd. 

Gle  thric  cluinnear  diadhairean  a'  cur 
dealachaidh  eadar  peacaidhean  aineolais, 
peacaidhean  anmhuinneachd,  agus  peacaidh- 
ean danadais  ;  ged  tha  Facal  Dhe  agus  ar 
coguis  ag  innseadh  dhuinn  gu  bheil  gach 
seorsa  peacaidh  toillteanach  air  fearg  Dhe 
tha  peacaidhean  danadais  na's  miosa  na 
each.  Tha  aobhar  an  aineolais  anns  an 
inntinn,  aobhar  na  h-anmhuinneachd  anns 
a'  chridhe,  ach  aobhar  an  danadais  anns  an 
toil.  Gus  am  bi  toil  duine  air  a  ciosnachadh 
agus  air  a  cosnadh  do  Dhia  cha  bhi  e  gu 
brath  tearuinte. 

Duine  a  theid  le  comhairle  shuidhichte 
do  aite  no  do  chomunn  far  a  bheU  fhios  aige 
gu'n  tachair  buaireadh  air,  sin  agad  duine 
a  tha  air  bheul  tuiteam  ann  am  peacadh 
danadais.  "  Roimh  sgrios  theid  uabhar  ; 
agus  roimh  leagadh  spiorad  ardanach," 


"Clann  Shioin" 


CHA  toigh  learn  a  bhi  cluinntinn  duine  air 
bith  a'  cur  sios  air  Breatunn,  no  a'  bruidhinn 
gu  suarach  no  gu  magail  mu'n  obair  fhiachail 
a  rinn  i  cheana,  agus  a  tha  i  fh-athast  a' 
deanamh  anns  an  t-saoghal.  Ged  nach  'eil 
ann  am  Breatunn  ach  eilean  beag  air  uchd 
a'  chuain,  thigeadh  call  a  bu  mhotha  air  an 
t-saoghal  uUe,  na'n  rachadh  Breatunn  sios, 
na  thainig  air  an  uair  a  chaill  a'  Ghreig  agus 
an  Roimh  an  cumhachd  agus  an  inbhe, 
Ged  nach  biodh  dad  aig  duine  as  an  deanadh 
e  uaill  ach  a  mhain  gu'n  do  rugadh  e  ann 
am  Breatunn  bu  leor  an  t-aobhar-uaill  sin 
fhein  ;  tir  na  saorsa,  tir  an  t-soisgeil,  tir  a' 
cheartais,  far  a  bheil  Coinneal  a'  dealradh  o 
chionn  tri  cheud  bliadhna  a  thug  solus  do'n 
t-saoghal  uUe.  Sin  agad  an  fhirinn  agus 
gun  dad  ach  an  fhirinn.  Duine  air  bith  a 
bhios  a'  faotainn  coire  do  Bhreatunn,  no  a' 
cur  sios  oirre,  is  e  lan-di  a  bheatha  an 
t-eilean  so  fhagail,  agus  dol  do  rioghachd  as 
fhearr,  ma'  s  aithne  dha  i.  C'aite  an  rachadh 
tu  ? 

M'  an  do  thoisich  an  cogadh  bha  daoine 
sonraichte  'g  ar  bodhradh  gus  an  robh  sinn 
sgith  dhiubh,  ag  innseadh  dhuinn  gur  ann 
againn  fhein  a  bha  a'  choire  a'  Ghearmailt 
agus  an  Eadailt  a  bhi  cho  neo-thoiUchte  agus 
cho  caonnagach  's  a  bha  iad,  agus  gu'm  b'e 
na  cumhacha-sithe  a  rinneadh  an  Versailles 
a  bu  mhathair-aobhair  do  gach  trioblaid  a 
thainig  air  an  t-saoghal  o  chionn  bhliadhn- 
achan.  Chan  urrainnear  gu  brath  cumhacha- 
sithe  a  dheanamh  a  riaraicheas  an  da  thaobh, 
no  a  shaoileas  iad  le  cheile  ceart  agus 
cothromach  ;  na'm  b'urrainn  car  son  a  bha 
iad  a'  tapaid  idir  ?  Ach  ged  nach  robh  bann- 
sithe  Versailles  'n  a  h-oilbheum  do  m' 
choguis  fern  riamh  chan  ann  a  dh'fhireanach- 
adh  nan  cumhachan  a  bha  innte  a  tha  mi  'g 
a  sgriobhadh  so,  ach  a  radh  gu'n  tainig 
barrachd  trioblaid  air  Breatunn  an  cois  aon 
de  na  cumhachan  a  b'fhearr  a  rinneadh  an 
Versailles  na  thainig  oirnn  an  cois  na 
feadhnach  a  bu  mhiosa.  Air  chor  agus  nach 
urrainn  dhuit  a  bhi  cinnteach  co  dhiu  as 
fhearr,  sud  no  so. 

Glic  agus  uasal.  / 

Rinn  Breatunn  rud  ceart  agus  uasal,  agus 
rud  a  bha  sinn  an  duU  a  bha  glic,  an  uair  a 
thug  i  rabhadh  do  rioghachdan  eUe  gu'm  bu 
mhaith  leatha  dachaidh  a  bhi  air  a  dheanamh 
do  na  h-Iudhaich  ann  am  Palestin,  duthaich 
an  sinnsir.  B'  e  am  Morair  Balfour  a'  cheud 
fhear  a  thagair  gu'm  biodh  an  cothrom  so 
air  a  thoirt  dhaibh,  agus  tha  cuimhne  agam 
fhathast  mar  leum  ar  cridheachan  le  toUeach- 


adh  aig  an  am,  an  diiU  gu'm  biodh  a  nis  dochas 
agus  dachaidh  air  a  thoirt  do  shluagh 
bochd  a  dh'f  hulling  barrachd  geur- 
leanmhuinn  troimh  na  linntean  na  dh'f  hulling 
daoine  eile  air  thalamh.  Bha  an  rioghachd 
uile  toilichte  lamh  a  bhi  aig  Breatunn  anns 
a'  chilis,  agus  bha  e  'n  a  fhaochadh  d'  ar 
coguis  cothrom  fhaotainn  air  cor  agus 
coirichean  nan  ludhach  anns  an  t-saoghal 
a  chur  ceart.  Ach  is  e  a  thachair  gu'n  do 
loisg  sinn  ar  meuran  anns  an  teine,  agus  gu 
bheil  sinn  fhein  agus  na  h-Iudhaich  an  diugh 
air  ar  mallachadh  an  uair  a  bha  dull  againn 
ri  beannachadh.  Dh'fhaodamaid  a  radh  mar 
thubhairt  am  faidh  leremiah,  "  Bha  siiil 
againn  ri  sith,  ach  maith  sam  bith  cha 
d'thainig ;  ri  aimsir  slainte,  agus  feuch 
uamhas." 

Saorsa  no  smachd. 

Tha  e  duilich  sith  a  dheanamh  ri 
muilleanan  de  dhaoine  nach  'eil  de'n  aon 
inntinn,  ach  a  tha  dannarra  gus  an  toil  fhein 
fhaotainn.  Rinn  am  fear  beag  ud  anns  a' 
Ghearmailt  a  bhios  a'  magadh  air  Breatunn 
air  an  Radio  magadh  gu  leoir  oirnn  a  chionn 
nach  robh  a'  dol  againn  air  sith  a  dheanamh 
ann  am  Palestin,  no  an  duthaich  a  riaghladh 
le  sgoinn  is  smachd.  Chan  'eil  teagamh  nach 
b'urrainn  Breatunn  smachd  a  chumail  air 
na  h-Arabaich  na'n  togradh  i,  leis  a'  ghunna 
no  eadhon  le  bata  laidir,  ach  chan  e  sin  doigh 
Bhreatuinn,  agus  a  h-uile  uair  a  dh'fheumas 
i  roghainn  a  dheanamh  is  fhearr  leatha  gean- 
maith  dhaoine  a  chosnadh  le  saorsa  a  thoirt 
dhaibh  seach  iimhlachd  fhaotainn  le  smachd. 

Air  uairean  tha  an  doigh-riaghlaidh  so  a' 
toirt  air  droch  dhaoine  agus  air  daoine 
dannarra  brath  a  ghabhaU  air  Breatunn  (ni 
a  clann  fhein  e  cho  maith  ris  na  coigrich)  ach 
air  a  shon  sin  tha  i  a'  leantuinn  air,  gineal  an 
deidh  gineil,  a  chionn  gu  bheil  i  cinnteach 
gur  e  so  an  doigh  as  fhearr  air  a'  cheann  mu 
dhetreadh.  Co  an  rioghachd  eile  a  bheireadh 
saorsa  facail  do  Ghandi  agus  do  Phacifists 
mar  tha  Breatunn  a'  toirt  dhaibh.  Ach 
chan  'eil  sin  'n  a  chiiis-naire  dhi,  agus  cha 
mho  tha  e  a'  milleadh  a  cKti  no  a  neart,  agus 
a  dh'aindeoin  a'  mhagaidh  a  rinneadh  oirre 
le  Sanbalat  agus  a  shliochd  a  chionn  gu'n  d' 
fheuch  i  ris  na  h-Iudhaich  a  shuidheachadh 
as  iir  'n  an  seann  dachaidh,  agus  a  chionn 
gu'n  do  ghiulain  i  gu  faidhidneach  leis  na 
h-Arabaich  a  bha  air  son  a  cumail  a  mach, 
bha  an  run  a  bha  'n  a  cridhe  uasal  agus 
cothromach.  Ma  dh'fhuiling  i  air  a  shon 
dh'fhuiling  i  air  son  na  corach. 


CLANN  SHIOIN 


Nithean  narach. 

Ciod  an  ceann-criche  a  bhios  aig  a'  gheur- 
leanmhuinn  a  thatar  a'  deanamh  air  na 
h-Iudhaich  ?  Agus  car  son  a  thatar  'g  a 
dheanamh  ?  Tha  e  duilich  a  radh  ;  air 
uairean  saoilidh  mi  gur  h-aithne  dhomh  an 
t-aobhar,  ach  air  uairean  eile  thig  teagamh 
'n  am  inntinn  nach  'eil  mi  ceart,  agus  gu 
bheil  diomhaireachd  anns  a'  chuis  nach  'eil 
mi  a'  tuigsinn. 

Ma's  ann  a  chionn  gu'n  do  cheus  na 
h-Iudhaich  Criosd  a  dh'fhuathaich  na 
Criosduidhean  iad  anns  gach  linn,  shaoileadh 
tu  gu'm  feuchadh  na  Criosduidhean  ri 
maitheanas  a  thoirt  dhaibh  mar  rinn  an 
Slanuighear  fein.  Chan  'eil  aon  phuing  anns 
a'  Chreidimh  Chriosduidh  as  soUleire  na 
gu'm  feum  esan  a  fhuair  maitheanas 
maitheanas  a  thabhairt. 

Ach  ciod  air  bith  an  t-aobhar,  rinneadh 
cheana,  agus  thatar  a'  deanamh  an  diugh 
fhathast,  geur-leanmhuinn  air  na  h-Iudhaich 
a  chuireas  naire  oirnn,  naire  cho  mor  's  gu'm 
bu  mhaith  leinn  ni-eigin  a  dheanamh  as  an 
leth  a  dh'aotrumaicheadh  ar  cionta. 

Clann  Shioin. 

Am  measg  nan  ludhach  fhein  chan  'eil 
ach  aon  bhuidheann  a  tha  ag  iarraidh  dol 
air  ais  do  thir  a'  gheallaidh,  am  buidheann 
ris  an  abrar  "  Clann  Shioin."  Is  fearr  le 
each  fuireach  ann  an  duthchanna  as  reamhra. 
Chan  'eil  ann  am  Palestin  ach  fearann 
bochd  ;  tha  e  cho  duilich  tuath  a  shuidh- 
eachadh  air  's  a  tha  e  anns  a'  Gh^idhealtachd. 
Tha  e  a'  cosd  mu  mhile  not  aon  teaghlach  a 
shuidheachadh  air  an  fhearann,  agus  is  ann 
o  ludhaich  bheartach  ann  an  America  a 
tha  a'  chuid  mhor  de'n  airgiod  a'  tighinn. 
Ged  nach  rachadh  iadsan  air  an  ais  iad 
fhein  is  maith  led  gu'n  rachadh  am 
braithrean  bochd  ann. 

Ciamar  a  tha  a'  dol  daibh  anns  an  oidhirp 
a  tha  iad  a'  deanamh  air  dachaidh  ilr  a 
chur  suas  dhaibh  fein  ann  am  Palestin  ? 
Chan  'eil  e  furasd  a  radh  ;  tha  e  ro  thrath 
breith  cothromach  a  thoirt  air  an  cor,  ach 
chan  ann  gun  dicheall  no  gun  saothair  a 
tha  dol  aca  air  an  casan  a  sheasamh,  agus 
fad  na  h-uine  tha  na  h-Arabaich,  am  follais 
agus  an  uaigneas,  a'  feuchainn  ri  'm  beatha 
a  dheanamh  searbh  dhaibh. 

Bho  chionn  ghoirid  bha  mi  a.'  bruidhinn 
ri  duine  tuigseach  a  tha  ann  an  seirbhis 
Bhreatuinn  ann  am  Palestin,  is  dh'fhoighnich 
mi  dheth  am  b'urrainn  e  innseadh  dhomh 
car  son  a  tha  na  h-Arabaich  cho  guineach 
ris  na  h-Iudhaich  ?  "  Tha  sin,"  ars'  esan, 
"  furasda  gu  leoir  a  thuigsinn  ;   tha  fearann 


aig  an  Arabach  ach  chan  'eil  airgiod  aige, 
agus  tha  airgiod  aig  an  ludhach  ach  chan 
'eil  fearann  aige.  Air  ghaol  airgJod-uUamh 
fhaotainn  'n  a  laimh  agus  a  bhi  iollagach 
diomhaineach  cho  fad  's  a  mhaireas  e, 
reicidh  an  t- Arabach  a'  chroit  ris  an  ludhach, 
agus  air  ghaol  fearann  fhaotainn  ann  an  tir 
a  dhaoine  bheir  an  t-Iudhach  pris  oirre  nach 
fhiadi  i.  Ann  an  uine  ghoirid  cosdaidh  an 
t-Arabach  an  t-airgiod,  agus  tha  e  gun 
airgiod  gun  chroit,  agus  an  sin  tha  naimhdeas 
aige  ris  an  fhear  a  cheannaich  i,  agus  bu 
mhaith  leis  an  gunna  a  chur  ris.  Ach  tha 
lagh  Bhreatuinn  a'  dion  an  ludhaich." 

Daoine  crionna. 

Tha  fhios  aig  na  h-Iudhaich  agus  aig  na 
h-Arabaich  le  cheile  gu  bheil  gliocas  agus 
crionnachd,  sgoinn  agus  dicheall,  anns  an 
ludhach  nach  'eU  anns  an  Arabach,  agus  is 
e  sin  a  tha  a'  toirt  air  an  ludhach  a  bhi 
taireil  air  an  Arabach  agus  air  an  Arabach 
a  bhi  amharusach  agus  gamhlasach  do'n 
ludhach. 

Is  ann  a  Poland  agus  a  Russia  a  thainig 
a  chuid  mhor  de  na  h-Iudhaich  a  chaidh  air 
an  ais  do  Phalestin.  Tha  iad  'n  an  daoine 
deanadach  sitheil,  ach  air  uairean  bithidh  na 
ceannardan  aca  (ceannardan  "  clann 
Shioin  ")  a'  deanamh  bpUich  amaideach,  agus 
bithidh  a'  bhoilich  sin  a'  cur  nan  Arabach 
air  a'  chuthach  dhearg.  Bithidh  iad  a' 
boilich  gur  ann  dhaibhsan  a  bhuineas  an 
duthaich  agus  nach  ann  do  na  h-Arabaich. 

Bithidh  na  h-Arabaich  fhein  a'  deanamh 
boilich  cuideachd  ;  a'  boilich  gur  e  iadsan 
a  thug  a  mach  buaidh  do  Bhreatunn  anns  a' 
chogadh  mu  dheireadh,  ach  nach  d'fhuair 
iad  an  duals  a  bu  choir  dhaibh  fhaotainn 
air  a  shon. 

Eadar  boilich  na  dithis  agus  an  naimhdeas 
a  tha  aca  d'a  cheile  tha  e  duilich  do  Bhreatunn 
sith  a  chumail  ann  am  Palestin  gun 
toiseachadh  air  an  smachdachadh. 

Ach  tha  cuid  mhaith  de  na  h-Arabaich 
reusanta  gu  leoir  ;  tha  iad  a'  faicinn  gu 
bheil  na  h-Iudhaich  a'  maitheachadh  na 
duthcha  le  airgiod  a  thoirt  innte  ;  gu  bheil 
beoshlaint  na's  fhearr  aca  a  nis  le  obair  agus 
sgoinn  nan  ludhach  na  bha  ?ica  roimhe, 
agus  mar  sin  tha  iad  air  son  a  bhi  reidh  ri'n 
coimhearsnaich . 

Creideamh  an  aithrichean. 

Tha  moran  dhaoine  an  dixil  gu  bheU  na 
h-Iudhaich  a'  leantuinn  ri  creideamh  an 
aithrichean  na's  dluithe  na  sluagh  air  bith 
eile.  Chan  'eil  sin  fior.  Ged  tha  buidheann 
dhiubh  a'  seasamh  gu  laidir  fhathast  air 
creideamh  an  aithrichean  tha  a'  chuid  as  mo 


CLANN  SHIOIN— ATREAMH  NAN  lUDHACH 


dhiubh  cho  roinnte  a  thaobh  creidimh  ri 
daoine  eile,  agus  eadhon  'n  an  dachaidh  uir 
chan  e  altair  do  lehobhah  a  chuir  iomadh 
teaghlach  suas  ach  altair  air  a  bheil  dealbh 
Karl  Marx,  athair  nan  Communists  uUe. 
Tha  e  air  a  radh  gu  bheil  barrachd  de  ana- 
creidich  am  measg  nan  ludhach  na  tha  am 
measg  cinneach  air  bith  eile,  agus  barrachd 
dhaoine  a  tha  ag  aicheadh  gu  bheil  Dia  ann. 

Am  measg  "  clann  Shioin  "  a  tha  nis  air 
tuineachadh  ann  am  Palestin  gheibhear 
teaghlaichean  a  tha  cho  diadhaidh  a  reir 
gnaths  an  aithrichean  's  gu'n  do  thraisg  iad 
agus  gu'n  do  chomhdaich  iad  an  cinn  le 
luaithre  a  chionn  gu  robh  e  air  a  cheadachadh 
Eabhra  a  chleachdadh  mar  mheadhon- 
teagaisg  anns  an  Oilthigh,  a'  chainnt  naomh 
nach  bu  choir  a  chleachdadh  ach  ann  an 
iirnuigh    a    mhain.  Air    an    laimh    eile 

gheibhear  am  measg  "  clann  Shioin  "  ann  an 
tir  a'  gheallaidh  ludhaich  a  tha  na's  gaolaiche 
air  muic-fheoil  na  tha  iad  air  aran  neo- 
ghoirtichte,  agus  nach  toir  ho-ro  air  Abraham 
no  air  lagh  Mhaois.  Chan  e  creideamh  ach 
duthchas    agus    fuil    a    tha    a'    cumail    an 


t-sluaigh  so  dileas  d'a  cheile  agus  dealaichte 
o  chinneach  eile. 

An  ceann-criche  ? 

Ma  shoirbhicheas  an  run  a  bha  an  inntinn 
Bhreatuinn  a  thaobh  nan  ludhach  is  maith 
an  gnothuch,  ach  mur  soirbhich  cha  ruig  i  a 
leas  naire  a  bhi  oirre  gu'n  d'fheuch  i  ri 
baigh  a  nochdadh  dhaibh. 

Aig  am  eile  'n  an  eachdraidh  bha  na 
h- ludhaich  air  an  toirt  air  an  ais  do 
Jerusalem,  a  thogail  nam  ballachan  briste. 
Bha  naimhdean  aca  anns  na  laithean  sin  a 
dh'fheuch  ri  bacadh  a  chur  orra,  ach  le 
diorras  agus  dicheaU  chum  iad  orra  gu 
misneachaU,  agus  chaidh  led  air  a'  cheann 
mu  dheireadh.  Agus  is  maith  do'n  t-saoghal 
gu'n  deachaidh,  oir  tha  sinn  uUe  a'  mealtainn 
toradh  na  buadha  sin,  agus  ma  theid  leo  air 
an  turns  so,  c6  aige  tha  fhios  nach  meal  an 
saoghal  beannachdan  ura  an  cois  na  buadha  sin. 

Bha  Pol  cinnteach  gu'n  tig  an  la  anns  am 
bi  Israel  uUe  air  an  tearnadh  :  mar  tha  e 
sgriobhta,  "  Thig  am  Fear-saoraidh  o  Shion, 
agus  tionndaidhidh  e  mi-dhiadhaidheachd 
o  lacob." 


Aireamh  nan  ludhach 


ANNS  a'  chunntas  mu  dheireadh  a  chunnaic 
mi  air  aireamh  nan  ludhach  bha  e  air  a 
radh  gu  bheil  se  muilleana  deug  dhiubh  anns 
an  t-saoghal,  air  an  sgapadh  air  feadh  nan 
rioghachdan  uile,  a'  chuid  as  mo  dhiubh 
ann  an  criochan  shear  na  Roinn  Eorpa. 


Anns  an  Roinn  Eorpa. 

Breatunn 

Poland    - 

Ukraine 

Rumania 

A'Ghearmailt 

Russia     - 

Huftgary 

Staidean  na  Baltic 

Czecho  Slovakia 

Austria    - 

An  Fhraing     - 

An  Olaind 

An  Eadailt 

Belgium 

An  Tuirc 

A'  Ghreig 

Bulgaria 

An  t-Suain 

An  Spainnt 

Lochlann 


An  America. 

Na  Staidean    - 
Canada    - 
Argentine 
Meadhon  America 
Na  h-Innsibh  an  lar 


320,000 

2,900,000 

2,400,000 

1,000,000 

800,000 

690,000 

550,000 

460,000 

380,000 

350,000 

155,000 

110,000 

72,000 

50,000 

90,000 

89,000 

40,000 

6,500 

5,000 

1,500 


4,000,000 

160,000 

145,000 

17,000 

6,500 


Anns  an  Asia. 

Am  Palestin    - 

Russia 

An  Tuirc 

Irak      .    - 

Arabia     - 

lapan 

An  aitean  eile 

An  Astralia   - 

An  Africa 


180,000 

100,000 

79,000 

87,000 

25,000 

180,000 
26,000 
460,000 
An  Obar  Dheathain       .       .       -       -  0 

Tha  barrachd  dhiubh  ann  an  America 
na  ann  an  duthaich  air  bith  eile  ;  tha  dorsan 
America  farsuinn  agus  fosgailte  daonnan. 

Am  bitheantas  tha  iad  a'  bruidhinn  cainnt 
na  duthcha  anns  a  bheil  iad  a'  fuireach, 
ach  is  e  Yiddish  an  cainnt  mhathaireil, 
an  diithchanna  shear  na  h-E6rpa.  Chan 
'eil  ach  fior  ludhach  annamh  a  thuigeas 
Eabhra. 

Is  ann  as  a'  Ghearmailt,  a  Russia,  agus 
a  Poland,  a  dh'fhalbh  a  chuid  as  motha  de 
na  h-Iudhaich  a  tha  ann  an  America. 

Ged  tha  ludhaich  ann  a  tha  anabarrach 
beartach  chan  'eil  anns  a'  chuid  mhor  dhiubh 
ach  daoine  bochd. 

Anns  a'  chogadh  mu  dheireadh  bha  iad 
ri  'm  faotainn  anns  a  h-uile  arm  a  bha 
mach,  a  tapaid  an  aghaidh  a  cheile. 

B'  e  an  t-Iudhach  a  b'  ainmeUe  anns  an 
t-seann  t-saoghal,  Maois  ;  agus  an  t-Iudhach 
as  ainmeUe  anns  an  t-saoghal  ur,  Hitler. 


Aireamh   12 


1940 


Gu  Cluaintean  Gorma 


Agus  an  uair  a  thainig  iad  gu  Mar  ah,  cha  b'  urrainn  iad  uisgeachan 
Mharah  ol,  oir  bha  iad  searbh  ;  uime  sin  thugadh  llarah  mar  ainm  air.  Agus 
rinn  an  sluagh  gear  an  an  aghaidh  Mhaois,  ag  radh,  Ciod  a  dh'  olas  sinn. 
Agus  dh'  eigh  esan  ri  lehobhah,  agus  nochd  lehobhah  fiodh  dha  agus  thilg  e 
anns  na  h-uisgeachan  e,  agus  rinneadh  na  h-uisgeachan  milis.     Ecsodus  xv,  23-25. 

Agus  thainig  iad  gu  Elim  far  an  robh  da  thobar  dheug  uisge,  agus  deich  agus 
tri  fichead  craobh  phailnie ;  agus  champaich  iad  an  sin  laimh  ris  na 
h-uisgeachan.     Ecsodus  xv,  27. 


NA'N  do  rinn  clann  Israeli  air  tir  a' 
gheaUaldh  lorn  is  direach  an  deidh  dhaibh 
an  Eipliit  fhagail,  rachadh  aca  air  a  ruigh- 
Inn  ann  am  beagan  sheachduinean.  Ach 
ghabh  iad  da  fhlchead  blladhna  air  an  turns. 
Cha  b'  ann  gun  aobhar  a  sheacliain  iad  an  t- 
slighe  ghoirid,  "  Cha  do  threoraicli  Dia  lad 
air  slighe  tire  nam  PhUlsteach,  ged  bha  1 
am  fagus  ;  olr  thubhau-t  Dia,  Air  eagal  gu'm 
bl  althreachas  air  an  t-sluagh  an  uair  a  chl 
iad  cogadh,  agus  gu'm  pUI  lad  do'n  Elphlt." 
{Ecsodus,  xlil,  17). 

Bha  na  PhUistlch  'n  an  sluagh  borb,  air  an 
cleachdadh  ri  alrm  lomchar  ;  agus  bha  e 
glic  do  Mhaois  an  seachnadh,  oir  bha  splorad 
chloinn  Israeli  air  a  bhrlseadh  gu  buileach 
leis  an  lamhachas-laidir  a  rinneadh  orra  le 
Pharaoh,  air  chor  agus  nach  seasadh  lad  an 
larach  ri  aghaidh  namhaid  iir.  Air  an 
aobhar  sin  threoraich  Dia  an  sluagh  mu'n 
cuairt  air  slighe  fasaich  na  Mara  Rualdhe, 
a'  taghadh  an  rathaid  dhaibh  a  relr  an  neirt. 
Bha  e  'n  a  dheuchalnn  air  am  faldhldlnn  na 
bliadhnachan  ud  a  chur  seachad  anns  an 
fhasach  ;  ach  b'e  an  rathad  fada  an  rathad 
a  bu  ghlorra  dhachaidh  air  a  shon  sin.  Ged 
bha  an  t-sllghe  fadalach,  thug  1  a  steach  lad 
mu  dheireadh  do  thir  a  bha  a'  sruthadh  le 
balnne  is  mil. 

An  rathad  fada  glan. 

Tha  daoine  an  diugh  fhathast  a'  faotainn 
a  mach  'n  am  beatha  fein  a'  cheart  ni  a  tha 
air  a  theagasg  dhuinn  le  eachdraldh  chloinn 
Israeli,  gur  fhearr  an  rathad  fada  glan  na  'n 
rathad  goirld  salach.  Tha  sinn  uile  ag 
iarraidh  tir  a'  gheallaldh  air  chor-elgin ; 
saoibhreas,  toll-inntinn,  Inbhe  shaoghalta, 
eolas,  sonas — ^is  lad  sin  am  balnne  agus  a' 
mhil  au'  a  bheU  a'  mhor-chuideachd  an  totr. 
Chan  abair  ml  gu  bheil  e  cearr  do  dhaoine  na 
nithean  sin  a  chumail  fa  chomhau'  an  siil ; 
ach  seachnadh  iad  an  t-ath-ghoirld  salach 
chuca,   agus   gabhadh   lad  an  rathad   glan. 


"  Tha  slighe  ann  a  shaoilear  direach  le  dulne, 
ach  Is  e  a  crioch  sllghean  a'  bhais." 

An  uair  a  nl  daoine  cabhag  gu  bhl  beartach, 
gabhaidh  iad  gle  bhitheanta  ath-ghoirid 
salach  a  bheir  a  steach  iad  do  thir  a'  bhais 
an  alte  tir  an  t-sonais  a  bha  iad  ag  iarraidh. 
Cha  ruig  dulne  a  leas  drill  a  bhl  alge  gu'm  bl 
beannachd  is  dion  Dhe  thairls  air  ma  tha  e  a' 
giuasad  air  sllghean  nach  do  cheadaich 
Dia  ;  ma  chuireas  e  rolmhe  a  cheann-uldhe  a 
rulghinn  le  eucoir  agus  innleachdan  agus 
breugan. 

An  uair  a  shaor  Dia  clann  Israeli  o  laimh 
Pharaoh  agus  a  chaidh  lad  air  cheann  na 
slighe  gu  Canaan  shelnn  lad  oran-molaldh 
dha,  ach  m'an  do  ralnig  iad  Marah  cha  robh 
ceol  'n  an  cridhe  no  'n  am  beul.  Shaoil  iad 
gu  robh  laithean  an  saruchaidh  seachad  agus 
chuir  iad  an  aghaidh  air  an  t- slighe  mar 
chuideachd  a'  cumail  latha  feiUe.  Ach  an 
uair  a  chunnalc  lad  nach  robh  an  t-sllghe 
cho  furasda  's  a  shaoil  lad,  's  a  thoisich  iad 
air  fannachadh  le  pathadh  agus  teas  an 
fhasalch,  rinn  lad  gearan  an  aghaidh  Mhaois, 
ag  radh  ris  gu'm  b'  fhearr  dhaibh  daorsa  na 
h- Elphlt  seach  bas  fhaghail  anns  an  fhasach. 
"  Agus  dh'  eigh  esan  ri  lehobhah,  agus  nochd 
lehobhah  fiodh  dha,  agus  thUg  e  anns  na 
h-uisgeachan  e,  agus  rinneadh  na  h-uisgeach- 
an mills." 

A  sholus  glan. 

Tha  e  air  a  radh  le  daoine  a  bha  thall  's  a 
chunnalc  e  gu  bheil  seorsa  craoibhe  a'  fas 
gu  nadurra  anns  a'  chearn  ud  de  Arabia  aig 
a  bheil  a'  bhuaidh  so  air  uisge,  an  uair  a 
thilgear  sguinn  dhi  ann  ;  agus  ma  tha  sin 
fior,  cha  do  thachair  miorbhuU  air  blth  aig 
Marah  ach  a  mhaln  gu  robh  Maols  air  a 
sheoladh  le  Dia  gus  eifeachd  na  craoibhe  so 
fhaotalnn  a  mach.  Tha  facal  an  Tighearna 
ag  radh,  "  Treoraichidh  e  na  daoine  cluln 
ann  am  breitheanas,"  {Salm  xxv,  9  ;)  agus 
aig  lomadh  am  'n  a  bheatha  dhearbh  Maols 


GU  CLUAINTEAN  GORMA— ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


air  a  shon  fhein  gii  bheil  an  gealladh  so  f ior  ; 
gu  bheil  Dia  a'  toirt  soilleireachd  inntinn 
cho  maith  ri  beannachdan  spioradaU  dhaibh- 
san  a  dh'  iarras  comhairle  air,  agus  a  dh' 
aidicheas  e  'n  an  uUe  shlighean.  Dh'  aidich 
Maois  Dia  'na  uile  shHghean. 

Air  gach  duUleag  de'n*  eachdraidh  so 
leughar  na  briathran,  "  Dh'  eigh  Maois  ri 
lehobhah."  Anns  gach  duUeadas  is  cunnart 
a  thachair  air  dh'  iarr  e  solus  is  conihnadh 
o  Dhia.  Thug  e  gach  ciiis  chuige  ann  an 
iirnuigh,  agus  thug  Dia  freagairt  dha. 
Bheir  Dia  gu  cinnteach  solus  do'n  duine  a 
dh'  eigheas  ris  gu  diirachdach  an  uair  a  tha 
e  ann  an  iom-chomhairle,  agus  a  bu  mhaith 
leis  seoladh  fhaotainn.  Cuiridh  e  mach 
chuige  a  sholus  agus  fhirinn. 

Cha  d'  fhag  Dia  a  shluagh  ann  am  Marah 
ag  61  an  uisge  a  bha  searbh  ;  threoraich  e  air 
an  aghaidh  iad  gu  Elim  far  an  robh  da  thob- 
ar  dheug  uisge  agus  deich  agus  tri  fichead 
craobh  phailme  ;  agus  champaich  iad  an  sin. 
Bha  Elim  do'n  luchd-turuis  sgith  mar 
gharadh  an  Tighearna  ann  am  meadhon  an 
fhasaich  ;  dh'  aisigeadh  am  beatha  agus  am 
misneach  air  ais  dhaibh  an  uair  a  chaisg  iad 
an  iotadh  aig  fhuarain,  agus  a  fhuair  iad 
fasgadh  bho  'n  teas  fo  sgaile  nan  craobh. 

Eiseimpleir  dhuinne. 

Ann  a  bhi  mmeachadh  an  t-Seann 
Tiomnaidh  cha  teid  sinn  fada  cearr  ma 
leanas  sinn  an  t-abstol  Pol,  agus  tha  Pol  ag 
radh  (1  Cor.  x.  ii.)  gu'n  do  thachair  na  nithean 


ud  do  chloinn  Israeli  mar  eiseimpleir  dhuinne. 
Faodar  an  imeachd  anns  an  fhasach  a 
ghabhail  mar  shamhladh  air  beatha  mhic  an 
duine  agus  air  turns  a'  Chriosduidh  anns  an 
t-saoghal.  Tha  Marah  air  chor-eigin  ann 
am  beatha  gach  duine,  fiosrachadh  no 
freasdal  a  tha  searbh.  Chan  'eil  e  solasach 
a  bhi  ag  61  uisgeachan  searbh,  ach  ann  an 
d6ighean  iongantach  ni  Dia  mills  iad  d'a 
shluagh.  "  Tha  smachdachadh,  am  feadh 
a  tha  6  lathair,  doilgheasach  :  gidheadh,  'na 
dheidh  sin  bheir  e  mach  toradh  siochail  na 
fireantachd  dhaibhsan  a  bha  air  an  cleachd- 
adh  leis."  Leighsidh  feartan  diomhair  Dhe 
an  cridhe  leonte,  agus  cuiridh  e  6ran  nuadh 
ann  am  beul  an  dream  a  bha  ri  caoidh.  Ma 
dh'  fhanas  neach  ann  an  co-chomunn  Dhe 
bidh  e61as  aige  air  a  chaomhalachd.  "  Tha 
a  dhol  a  mach  cinnteach  mar  a'  mhaduinn  ; 
agus  thig  e  d'  ar  n-ionnsuidh  mar  an  t-uisge." 
{Hosea,  vi,  3.)  An  deidh  Mharah  tha  Elim, 
agus  tre6raichidh  am  Buachaille  Maith  a 
chaoraich  laimh  ri  tobraichean  fionnar  agus 
ann  an  cluaintean  gorma.  Ma  dhearbhas 
Dia  a  shluagh  ann  am  Marah,  iiraichidh  e 
an  neart  agus  an  d6chas  ann  an  Elim  ;  agus 
ni  e  am  fasach  coimheach  dhaibh  'na  aite 
thobraichean. 

Ann  an  turus  a'  Chriosduidh  air  thalamh 
bheir  an  t-slighe  e  troimh  ghleann  Bhaca 
agus  gu  Beinn  a'  ChruadaU,  ach  tha  Elim  air 
an  cul,  agus  an  uair  a  ruigeas  e  na  tobraich- 
ean fionnar  agus  na  craobhan  pailme  cha  bhi 
cuimhne  aige  air  deacaireachd  na  slighe  na's 


Anns  a'  Choille  Bheithe 


AN  drasd  's  a  ris  'n  a  leabhraichean- 
sgriobhaidh  tha  Uilleam  Leishman  a'  tighinn 
thairis  air  an  aireamh  mhor  de  thuathanaich 
a  thug  bas-sgiorraidh  orra  fhein  leis  an  deoch. 
Ged  nach  'eU  an  1^,  no  am  mios,  no  a' 
bhliadhna,  air  an  ainmeachadh  tha  mi  an 
dull  gur  ann  ann  am  bliadhnachan  a' 
Chogaidh  (1914-18)  a  sgriobh  e  so  : 

"  Ged  tha  cridhe  leomhainn  aig  Lloyd 
George  ri  uchd  na  namhaid  tha  eagal  orm 
nach  'eil  de  mhisnich  aige  na  chuireas  as  do 
na  tighean-seinnse,  ged  tha  e  a'  hruidhinn 
uime  0  chionn  greis.  Sin  namhaid  do 
Bhreatunn  as  miosa  na'n  Caesar.  Bhithinn 
a'  cluinntinn  m'athar  ag  radh  an  uair  a  bha 
mi  'n  am  bhalach,  gu'm  biodh  an  dara  leth 
de  na  tuathanaich  mhora  a  bha  dol  gu  Feill 
na  h-Olainn  an  Inbhir-nis  air  an  daoraich 
a  h-uile  oidhche,  agus  air  an  giulan  do'n 
leabaidh.        Bho  na  ghabh  mi  aonta  air 


Leacamas  chunnaic  mi  aon  deug  de  na 
tuathanaich  anns  a'  choimhearsnachd  a'  dol 
a  dhith  leis  an  uisge-bheatha,  agus  a'  toirt 
an  teaghlaichean  gu  bochdainn  no  gu  brdn. 
Chuir  fear  dhiubh  lamh  'n  a  bheatha  fMin  ; 
bha  triiiir  dhiubh  air  am  marbhadh  air  an 
rathad-mhdr  agus  iad  air  an  dalladh  ;  bha 
dithis  air  an  toirt  do  Cheann  Loch  Gilb  ; 
agus  an  fheadhainn  eile  air  an  cur  a  mach 
as  an  fhearann  a  chionn  gu'n  d'ol  iad  na 
bha  aca  de'n  t-saoghal.  'N  am  dige  cha 
robh  e  air  a  chunntas  'n  a  ni  narach  gu'm 
biodh  duine  airfhaicinn  a'  tighinn  dhachaidh 
o'n  mhargadh  agus  an  daorach  air,  agus 
chan  'eil  mi  an  diiil  gu'n  d'fhuaras  riamh 
coire  do  thuathanach  sdnruichte  a  bha  'n  a 
fhoirbheach  an  eaglais  Chille-sgumain  ged 
bhiodh  na  foirbhich  eile,  agus  an  coimh- 
thional,  'g  a  fhaicinn  a  h-uile  Di-haoine  a' 
tighinn  dhachaidh  o'n  mhargadh  agus  e  cho 
Ian  ri  buideall.     Mur  bheil  daoine  an  diugh 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


3 


na's  cairdeile  no  na's  coibhneile  ri  cMile 
na  bha  iad  o  chionn  tri  fichead  hliadhna 
iha  iad  na's  stuama  co  dhiu,  agus  na's 
naraiche  a  thaobh  daorach  a  ghabhail." 

B'e  Uilleam  Leishman  a'  cheud  fhear  ann 
an  Cille-sgumain,  agus  anns  na  h-4itean  eile 
anns  an  robh  fearann-chaorach  aige,  a  stad 
de  bhi  toirt  uisge-beatha  do'n  chuideachd  a 
bhiodh  cruinn  aig  am  lomaidh,  no  am 
tumaidh,  agus  bha  magadh  gu  leor  air  a 
dheanamh  air  an  fhasan  ur  so  an  toiseach. 
Ach  bha  an  t-ullachadh  eile  bhiodh  e  a' 
deanamh  air  son  chiobairean  agus  choimhear- 
snach  cho  gasda  agus  cho  neo-ghann  's  nach 
do  chuir  duine  riamh  as  a  leth  gur  e  an 
spiocaireachd  a  thug  air  seana  chleachd- 
aidhean  an  fhaing  a  threigsinn.  Ach  cha 
do  lean  ach  gle  bheag  de  na  tuathanaich  eile 
am  fasan  m  ;  cuid  dhiubh  a  chionn  nach 
robh  de  mhisnich  aca  dram  a  chumail  o 
dhaoine  eile  leis  am  bu  toil  e,  agus  cuid 
dhiubh  a  chionn  nach  faca  iad  fang  riamh 
gun  uisge-beatha  air  la  rusgaidh,  agus  gu'n 
saoUeadh  iad  nach  robh  an  gnothuch  ceart 
mur  biodh  dram  uime. 

Anns  a'  chuid  mhor  de'n  Ghaidhealtachd 
tha  an  t-uisge-beatha  a  nis  air  a  chur  as  aig 
tiodhlacadh  nam  marbh,  a  chionn  gu  bheil 
am  mac  agus  an  t-ogha  na's  turaile  (anns  a' 
cheum  so  co  dhiu)  na'n  t-athair  agus  an 
seanair,  agus  bu  mhaith  an  gnothuch  na'n 
robh  e  air  a  chur  as  cuideachd  aig  gach 
cruinneachadh  far  am  bi  ciobairean  agus 
geamairean  agus  sealgairean  a'  coinneachadh; 
aig  faing  a  riisgadh  chaorach  ;  aig  an  tigh- 
mhor  a  thilgeadh  chearcan-fraoich  ;  air  a' 
bheinn  a  ruagadh  shionnach  ;  no  aig  ceann 
an  tighe-sheinnse  a  ghunnaireachd.  Ged  tha 
na  Gaidheil  gaolach  air  soda  a  ghabhail  ann 
an  spainn  an  deidh  am  bidh  (tha  dotairean 
ag  radh  gu  bheU  barrachd  soda  air  a  ghabhail 
mar  so  anns  na  h-Eileanan  an  lar  na  ann  an 
aite  eile  am  Breatunn)  tha  iad  anabarrach 
t^ireil  air  soda  mar  dheoch,  agus  taireil  air 
dibheanna  anns  nach  'eil  smuais  no  beirm 
no  breab. 

"  A  bheil  tigh-osda  maith  anns  an  aite  so 
anns  a  bheil  leaba  ri  fhaotainn  ?  "  arsa 
coigreach  ri  fear  de  mhuinntir  an  aite. 

"  Chan  'eil  gu  dearbh,"  ars  an  duine, 
"  chan  'eil  ann  ach  tigh-uisge-soda  (Temper- 
ance Hotel),  tigh  nach  fhiach  dhuit  dol  ann." 

Bhiodh  Uilleam  Leishman  a'  dol  a  h-uile 
bhadhna  gu  Cattle  Show  a'  Chomuinn 
Ghaidhealaich ;  anns  na  leabhraichean- 
sgriobhaidh  aige  tha  iomradh  an  sud  agus 
an  so  air  daoine  a  thachair  air  aig  an  t-Show, 
agus  air  beathaichean  a  chunnaic  e.  Ged 
nach  robh  e  fhein  a'  gleidheadh  ghearran, 


no  a  bheag  de  chrodh  Gaidhealach  air  gin 
de  na  fearainn  a  bha  aige,  is  ann  air  an  oisean 
far  an  robh  an  crodh  Gaidhealach  agus  na 
h-eich  Ghaidhealach  air  an  tarruing  air 
beulaibh  nam  Breitheamhna  a  bheireadh  e 
aghaidh  an  toiseach  an  uair  a  rachadh  e  a 
steach  do'n  t-Show.  Ann  an  1914  sgriobh 
e  so  ann  am  fear  de  na  leabhraichean. 

"  Bha  mi  aig  an  ^Show  ann  an  Hawick, 
agus  b'e  an  rud  a  b'fhearr  a  thaitinn  rium 
companas  a  bha  agam  fad  la  agus  oidhche 
ri  Astralianach  a  thainig  a  dh'aon  ghnothuch 
a  cheannach  leih-dusan  loth  Clydesdale  agus 
leth-dusan  agh  Oallda  a  bheireadh  e  a  mach 
a  mhathachadh  an  stuic  a  bha  aige  air 
fhearann.  Thachair  sinn  ri  cheile  anns  an 
tigh-osda  anns  an  robh  mi  a'  fuireach ; 
thubhairt  e  rium  nach  robh  aige  ach  aon 
seachduin  ann  an  Albainn,  agus  anns  an 
t-seachduin  sin  gu'm  bu  mhaith  leis  (1) 
uaigh  'aithrichean  fhaicinn  ann  an  Obar- 
eathain,  (2)  an  stoc  aig  Uilleam  Dunlop  agus 
Seumas  Howie  fhaicinn  an  lonar-ar,  agus 
an  comhairle  agus  an  cuideachadh  fhaotainn 
anns  a'  mhalairt  a  bha  foidhe  a  dheanamh  ; 
(3)  Lloyd  George  fhaicinn  agus  a  chluinntinn 
na'n  gabhadh  e  deanamh,  agus  (4)  sealladh 
fhaotainn  air  caisteal  Dhun-dideann  agus 
Eilean  I. 

Thubhairt  mi  ris  gu  robh  eagal  orm  gu'm 
feumadh  e  eilean  I  a  leigeil  seachad,  ach 
gu'n  gabhadh  an  corr  de  na  bha  air  aire  a 
dheanamh,  a  chionn  gu  robh  Uilleam 
Dunlop  agus  Seumas  Howie  aig  an  t-Show, 
agus  gu'm  faodadh  e  a  shiubhal  agus  a 
ghnothuch  a  dheanamh  aig  an  aon  am. 
Bha  mi  toilichte  e  bhi  'n  am  chomas  turus 
a'  choigrich  a  dheanamh  rud  beag  na  bu 
reidhe  dha  na  bhitheadh  e  as  m'eugmhais, 
ach  bu  duine  e  a  reir  mo  chridhe  fein,  ach 
a  mhain  gu  robh  a  leithid  de  chabhaig  air. 
Cha  b'urrainn  e  a  bheul  fhosgladh  gun  rud- 
eigin  anns  an  robh  siigh  no  neonachas  a 
radh.  An  uair  a  bha  sinn  a'  dealachadh 
thubhairt  mi  ris,  na'n  tigeadh  e  air  ais  uair 
eile  a  dh' Albainn,  gu'm  bithinn  ro  thoilichte 
fhaicinn  ann  an  Leacamas,  agus  gu'm 
faigheadh  e  an  griim  bu  mhilse  air  mo 
bhord.  Cha  robh  anns  an  fhacal  ach  facal 
fMin,  facal  a  thainig  gu'm  theangaidh 
ann  an  larach  nam  bonn,  ach  cheap  an 
t- Astralianach  am  facal,  agus  anns  a' 
mhionaid  thubhairt  e,  "  Agus  ma  dh'fhaodas 
mi  fharraid  ciod  an  greim  as  milse  air  do 
bhord  ?  "  Ged  nach  robh  'n  ar  seanchas  ach 
cleasachd  agus  '  buille  mu  seach  '  fhreagair 
mi  gu  sdluimte,  "  Thafhios  aig  an  t-saoghal 
gur  e  an  greim  as  milse  air  a'  bhord  aig 
tuathanach-chaorach  crioman  de  shliasaid 
tri   bhliadhnach  muilt."  "  Chan    e    an 


ANNS  A'  CHOILLE  BHEITHE 


t-sliasaid  ach  an  slinnean,"  ars  esan, 
"  an  crioman  as  fheair,  nach  'eil  am 
Biohull  ag  innseadh  dhuinn  gu'n  d'thtig 
Samuel  aithne  do'n  chdcaire  an  slinnean  a 
chur  air  beulaibh  Shauil,  an  righ,  agus  iha 
an  greim  as  milse  air  a  thoirt  do  righrean 
daonnani  "  Bha.mi  duilich  dealachadh  ri 
companach  cho  inntinneach. 

Cha  robh  na  h'-eich  Ghaidhealach  faisg  air 
a  bhi  cho  maith  am  bliadhna  's  a  bha  iad 
an  uiridh,  agus  cha  mhd  a  bha  an  crodh 
Gaidhealach  cho  maith,  ach  ma  bha  a'  chuid 
so  de'n  ^Show  air  ais  am  bliadhiia  cha  robh 
na  h-eich  throma  air  an  ais  ;  chan  fhacd  mo 
shuil  riamh  leithid  nan  each  a  bha  aig 
Uilleam  Dunlop.  Chan  fhasainn  sgith  ged 
chuirinn  seachad  leth  an  la  a'  dol  mu'n 
cuairt  air  capull  searraich  a  bha  aige  ann, 
"  Dunure  Chosen."  Bha  U  eile  ann  le 
Kerr  ann  an  Harvieston  nach  robh  dad  air 
dheireadh  oirre,  mur  robh  i  na  bu  bhoidhche, 
"Harvieston  Phyllis." 

Bha  Aonghas  Stiubhard,  an  Allt  Bheithe, 
an  Ros,  'n  a  Bhreitheamh  air  na  h-eich 
Ghaidhealach  agus  Rob  MacDhiarmaid  'n 
a  Bhreitheamh  air  a'  chrodh  Ghaidhealach, 
ach  ged  thug  an  Stiubhardach  an  t-urram  a 
b'airde  do  thri-bhliadhnach  donn,  "  Moun- 
taineer "  le  Rob  Montgomerie,  am  Both- 
rainich,  dliith  do  Bhaile-chloichridh,  cha  bu 
toigh  learn  an  t-each  idir,  ged  bhiodh  a  'n  a 
each-diollaid  gle  ghrinn  na'n  robh  e  air  a 
ghearradh.  Bu  mhairg  a  choimeasadh  e  ris 
a'  chapull  lurach  a  bha  air  thoiseach  an 
uiridh  am  Paislig  agus  searrach  'n  a  cois, 
"Lady  Louise,"  le  Diuc  Atholl.  Ach  cha 
b'e  an  Diuc  fhein  a  thog  i ;  thdinig  i  as  a' 
Mhanachain,  an  Aird  Mhic  Shimidh. 

Is  e  tarbh  le  larla  Southesk  a  choisinn  an 
t-urram  a  b'airde,  ach  6'e  an  crodh  Gaidheal- 
ach a  by  hear  r  learn  ann  an  Hawick  an 
crodh  agus  na  h-aighean  aig  Craig  Sellar 
an  Aird-tdirinnis.  Ged  bhithinn  a'  cluinn- 
tinn  m'athar  agus  Para  Robastanach,  am 
Bldr,  agus  daoine  eile  a  bu  sgileile  na  mi 
fhein,  ag  rddh  nach  fhacas  riamh  crodh 
Gaidhealach  a  b'fhedrr  na  seana  stoc 
Bhraghad-Albann  {as  an  robh  stoc  Dhiuc 
Atholl  air  a  tharruing)  chan  'eil  uair  riamh 
a  chunnaic  mi  crodh  Aird-tdirinnis  cdmhla 
riu  n%ch  b'e  feadhainn  Aird-tdirinnis  mo 
roghainn.  Theagamh  gu  robh  crodh  Pheairt 
na  bu  tiugha  agus  na  bu  truime,  agus  na  bu 
laidire  anns  a'  chndimh,  agus  anns  an 
fhionna,  ach  bha  iad  na  bu  truime  anns  a' 
cheann  agus  na  b'fhaide  anns  an  aodann, 
agus  cha  robh  iad  cho  aotrum  no  cho  uasal 
no  cho  curaideach  'n  an  coiseachd  agus  'n 
an  gluasad  ri  crodh  Aird-tdirinnis.  Bha 
cinn  ogu-9  bus  agus  amhaichean  air  a'  chrodh 


aig  Valentine  Smith  a  chuireadh  farmad 
air  ban-phrionnsa.  Bhiodh  m'athair  ag 
rddh  giir  e  an  tarbh  a  b'fhedrr  a  chunnaic  e 
riamh  "  Galum  Riabhach,"  a  bha  am 
buaile  Diuc  Atholl  m'an  deachaidh  e  do 
Phol-talloch,  ach  ma  bha  e  na  b'fhedrr  na 
"  Laoch,"  a  rugadh  am  buaile  Iain 
Stiuhhard,  an  Eathasaidh,  feumaidh  gu 
robh  e  maith  da-rireadh.  Ach  de  na 
chunnaic  mise  riamh  de  chrodh  Gdidhealach 
bheirinn  an  t-urram  do  mhart  dubh  a  Aird- 
tdirinnis  a  bha  cho  bdidheach  agus  cho  uasal 
'n  a  coslas  's  gu'm  bu  mhaith  learn  a  h-ainm 
"  Sgiathach  "  atharrachadh  agus  "  Dealbh 
na  maise  "  a  thoirt  oirre. 

Mar  thubhairt  mi  cheana  bha  Uilleam 
Leishman  'n  a  fhoirbheach  amis  an  eagiais 
agus  bhiodh  e  a'  dol  innte  air  da  cheann  an 
la  a  h-uUe  Sabaid,  agus  air  uairean  bhiodh 
e  a'  sgriobhadh  'n  a  leabhar-la  ma  chuala  e 
anns  an  eagiais  ni-eigin  a  chuir  gu  smuain- 
eachadh  e.  Air  an  la  mu  dheireadh  de'n 
bhliadhna  ann  an  1916  sgriobh  e  so. 

Cha  robh  na  ministearan  ag  rddh  uiread 
's  a  bu  chdir  dhaibh  mu  pheacadh  an  duine 
roimh  Idithean  a'  chogaidh,  ach  a  nis  tha 
iad  ag  rddh  na's  lugha  air  fad  ;  tha  eagal 
orm  gu  bheil  iad  a'  creidsinn  'n  an  cridhe 
an  rud  a  bhios  clann  an  t-saoghail  ag  rddh 
le  am  bilean,  nach  'eil  ann  am  peacadh  ach 
facal  leis  am  bi  diadhairean  a'  cur  eagail 
air  inntinnean  leanabail.  Och,  och,  mo 
thruaighe  /,  chan  urrainn  mise  gun  bhi  a' 
smuaineachadh  air  mo  chor  fhein  mar 
pheacach,  oir  a  h-uile  Id  a  dh'eireas  mi  tha 
mo  pheacadh  fein  a'  tighinn  eadar  mi  agus 
Dia,  am  peacadh  a  tha  'n  am  bhuill  agus  'n 
am  inntinn  agus  'n  am  thoil,  a'  milleadh 
mo  thuigse  agus  mo  bhreithneachdidh,  air 
chor  agus  nach  'eil  7ni  a'  gluasad  no  a' 
tighinn  bed  anns  an  t-solus  ghlan  sin  anns 
am  bu  chdir  do  chloinn  Dhe  imeachd.  Cha 
ruig  mi  a  leas  sealltainn  bhuam  air  son 
lorgan  a'  pheacaidh ;  tha  e  maille  rium  a 
ghndth  ann  an  cruas  agus  ann  an 
luaineachas  mo  chridhe  fein,  ann  an 
ceannairceas  mo  thoile  an  aghaidh  ditheantan 
naomha  Dhe,  agus  anns  a'  ghaol  a  tha  aig 
m'fhedil  air  fantuinn  air  falbh  o  Chalbhari 
air  eagal  crois  an  t-Slanuigheir  a  ghiidan. 
Chan  e  am  peacadh  as  md  a  bhios  a'  cur 
eagail  orm  am  peacadh  a  tha  ann  am  buill 
mo  chuirp  ach  am  peacadh  a  tha  an  lobar 
mo  thoile  agus  ann  an  cuibhlichean  mo 
smuaineachaidh,  air  chor  agus  gu  bheil  e 
eu-comasach  dhomh  earbsa  air  bith  a  chur 
'n  am  fhireantachd  fein,  no  edlas  eile 
fhaotainn  air  Dia  ach  an  t-edlas  a  tha 
peacach  a'  faotainn  air  mar  Fhear-saoraidh. 


Anns  a'  Chathair 


BLIADHNACHAN  mu'n  do  shiubhail  e 
thubhaii't  mi  ris  an  t-Siorram  Iain  Mac-a- 
Mhaighstir  Caimbeul  gu'm  bu  choir  dha 
ni'am  failnicheadh  a  chuimhne  cunntas 
firinneach  a  sgriobhadh  mu  obair  na  Land 
League  amis  a'  Ghaidhealtachd.  Dh'aontaich 
e  leam  gu'm  b'fhiach  an  rud  a  dheanamh,  ach 
nach  freagradh  e  dhasan,  a  bha  ann  an 
seirbhis  a'  Chrtiin  mar  Bhreitheamh,  each- 
draidh  nan  laithean  ud  a  chur  an  clodh,  co 
dhiu  cho  fad  's  a  bhiodh  e  'n  a  shuidhe  ann 
an  Cathair  na  Cuirte. 

Dh'flialbh  an  Siorram  coir,  agus  tha  a  nis 
gineal  ur  ag  eirigh  suas  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd nach  cuala  riamh  iomradh  ceart  air 
na  daoine  a  thug  air  a'  Pharlamaid  laghannan 
an  Fhearainn  anns  a'  Ghaidhealtachd 
atharrachadh,  ged  is  e  Achd  nan  Groitearan 
an  leasachadh  as  fhearr  a  rinneadh  riamh 
air  cor  na  tuatha  anns  a'  Ghaidhealtachd, 
agus  gu  sonruichte  anns  na  h-Eileanan.  0 
chionn  da  bhliadhna  chuala  mi  oUeanach  6g 
a  eilean  Thiriodh  a'  seinn  orain  a  bha  air  a 
dheanamh  do  DhomhnuU  MacPharlain  le 
fear  de  bhaird  na  Land  League,  bard  Bhaile 
Mhartainn,  ach  an  uair  a  dh'fhaighnich  mi 
dheth  an  robh  fhios  aige  c6  e  DomhnuU 
MacPharlain  thubhairt  e  nach  robh.  Sin 
mar  tha  seanchas  agus  eachdraidh  ar  sluaigh 
a'  dol  as  ar  cuimhne.  Eirionnach  uasal  a 
bha  anns  an  Ridire  DomhnuU  MacPharlain, 
a  sheas  gu  laidir  air  taobh  nan  Groitearan, 
agus  a  bha  air  a  chur  do'n  Pharlamaid  le 
muinntir  Earra  Ghaidheal.  Chan  'eil  ach 
gu  bheil  cuimhne  agam  gu'm  faca  mi  e,  agus 
chan  'eil  de  chuimhne  agam  air  ach  gu  robh 
peiteag  gheal  air,  agus  an  fheusag  a  b'fhaide 
a  chunnaic  mi  air  duine  riamh. 

An  diugh  tha  gu  leoir  de  dhaoine  air  fas 
cho  suarach  mu  riaghladh  na  diithcha  's 
nach  cuir  iad  de  dhragh  orra  fhein  dol 
a  mach  a  chur  an  crois  air  paipear,  mur 
cuirear  carbad  a  dh'ionnsuidh  nan  dorsan 
aca  'g  an  iarraidh,  agus  tha  gu  leoir  de 
dhaoine  cuideachd  aig  a  bheil  guth-taghaidh 
aig  nach  'eil  fhios  gu  bheil.  Ach  anns  na 
laithean  ud  bha  an  fheadhainn  aig  an  robh 
guth-taghaidh  mor  asda  fhein  a  chionn  gu 
robh  e  aca  ;  chumadh  iad  suas  an  cinn,  is 
chuneadh  iad  orra  an  aodach  Sabaid  is 
choisicheadh  iad  fichead  mile  a  dheanamh 
an  dleasdanais  do'n  rioghachd. 

An  am  na  Land  League  dh'fheumadh 
muinntir  Thiriodh  dol  do'n  Ros  Mhuileach, 
astar  fichead  mile  thar  chuan,  mur  bheil  an 
corr,  a  chur  an  crois  air  a'  phaipear,  ach  bha 
full  dhaoine  teth  a  thaobh  chiiisean  an 
Fhearainn,    is    rachadh    iad    do'n    Ros    a 


dh'aindeoin  tinneas-mara  no  stoirm.  Aon 
de  na  h-uairean  a  bhatar  a'  cur  a  steach 
Dhomhnuill  MhicPharlain  do'n  Pharlamaid 
bha  an  latha  cho  gabhaidh  's  nach  deanadh 
an  Hebridean  feum  aig  a'  phort,  ach  thog  na 
daoine  geola  mhor  air  an  guaillean,  agus 
ghiiilain  iad  i  gu  Loch  Ghot  far  an  deachaidh 
iad  air  bord.  Ged  bha  an  la  cho  gabhaidh 
bha  aon  seann  duine  air  a  thogail  as  an 
leabaidh,  le  mhac  fhein,  air  a  shuaineadh  ann 
am  plaideachan  ann  an  cairt  a  chaidh 
ceithir  mile  leis,  agus  an  sin  air  a  chur  air 
bord  anns  a'  bhata.  Bha  dull  aig  daoine 
nach  tigeadh  e  au'  ais  beo,  ach  thainig. 
Cha  b'ionghnadh  ged  thug  na  coimhearsnaich 
air  mac  cho  eudmhor  an  t-ainm  Gladstone. 

Thug  an  sluagh  le  urram  speis  dhuit 
A  dK' aindebin  luchd-tuaileis  breige  ; 
Is  rinn  iad  aite-suidhe  reidh  dhuit 
An  St  Stephen  ann  an  Sasunn. 

Moch  Di-ciadaoin  bha  sinn  debnach 
Gu  bhi  dileas  dhuit  's  a'  chbmhstri ; 
Bata  V fhearr  chaidh  riamh  a  shebladh 
Cha  tigeadh  i  a  choir  a'  chala. 

Thog  sinn  bata  air  uallach-guailne 
Gu  Loch  Ghot  's  b'e  port  a'  chruadail, 
Dhol  gu  Muile  nam  beann  fuara 
Dh'aindeoin  doinnionn  cuain  is  gailUnn. 

Tha  do  chairdean  leat  'g  ad  chbmhnadh 
Gu,  bhi  seasamh  taobh  na  cbrach 
Am  Frisealach  is  Mac-an-Toisich 
'(S'  an  t-  Urramach  bg  MacGaluim. 

B'e  an  t-Urramach  6g,  DomhnuU  Mac- 
Galuim a  bha  'n  a  mhinistir  an  sgir  Hinippil, 
an  Tiriodh,  agus  'n  a  dheidh  sin  an  sglr  nan 
Lochan,  an  Leodhus.  B'  esan  agus  a 
bhrathair  a  bu  shine,  Galum,  a  bha  an  sgir 
Mhucarna,  an  da  mhinistear  ann  an  Eaglais 
na  h-Alba  a  b'eudmhoire  a  sheas  a  mach  air 
taobh  nan  croitearan  anns  na  laithean  ud. 
'S  iomadh  litir  a  sgriobh  iad,  agus  oraid  a 
liubhair  iad,  as  leth  na  tuatha  anns  a' 
Ghaidhealtachd,  ach  faodar-  a  radh  umpa 
fein  an  diugh  agus  mu  na  daoine  laidir  eile  a 
dh'oibrich  comhla  riu  mar  thiTbhairt  an 
Searmonaiche, 

An  cuimhne  dh'fhalbh,  is  dh'fhalbh  an 

ainm, 
Ghan   aithnichear   iad,    's    chan   aithne 

dliaibh. 

Go  an  diugh  am  measg  oigridh  na  Gaidheal- 
tachd  d'an  aithne  ach  gle  bheag  de  na  daoine 
so  ?  Iain  Murdoch  (Murchadh  an  Fheilidh)  ; 
Alasdair  MacGoinnich  (Glach  na  cudainn)  ; 
Aonghas  Sutharlan  ;  I.  G.  MacAoidh,  Port- 
righ  ;  Iain  Mac-a-Phearsain,  an  Gleann- 
dail ;  Maolisa  MacAonghais,  am  Port-righ  ; 
DomhnuU  MacRath,  am  Bail-Ailein  ;   Ruair- 


6 


ANNS  A'  CHATHAIR— AIG  AN  UINNEIG 


idh  Ban,  an  Leodhus,  ris  an  abairte  am  Papa, 
Tormod  Stiubhart  ris  an  abairte  Parnell ; 
Lachlann  MacGOl-eathain  (CoUach)  aig  an 
robh  btith  anns  an  Oban,  agus  feadhainn 
eile  de'n  t-seorsa  sin  aig  an  robh  teine  'n 
an  cnamhan  nach  leigeadh  leo  a  bhi  'n  an 
tosd  anns  a'  chomhstri  a  bha  dol  air  aghaidh 
eadar  1880  agus  1890. 

Chan  'eil  cuimhne  agam-sa  air  ceud 
thoiseach  na  Land  League  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd,  oir  bha  Iain  Murdoch  a'  feuchainn  ris 
an  t-sluagh  a  dhusgadh  as  am  meatachas 
m'an  do  rugadh  mi,  ach  tha  mi  an  diiil  gur  ann 
an  1881  a  bha  meuran  de'n  League  air  an 
cur  air  chois  air  feadh  na  diithcha  uUe.  Co 
dhiu  bha  glaodh  na  Gaidhealtachd  cho  ard 
agus  cho  eiginneach  's  gu'm  b'fheudar  do'n 
Pharlamaid  Commission  no  luchd-meas  a 
thaghadh  ann  an  1882,  agus  an  cur '  do'n 
Ghaidhealtachd  a  rannsachadh  gach  ni  a 
bhuineadh  do  ghearan  an  t-sluaigh. 

B'  e  sin  an  Commission  a  b'fhearr  a 
thainig  do'n  Ghaidhealtachd  riamh,  ged 
thainig  iomadh  fear  eile  ann  'n  a  dheidh  ; 
MacCoinnich  Ghearr-loch,  Camshronach 
Loch-iaU,  Tearlach  Friseal  Mac-an-T6isich, 
M.P.,  an  Siorram  MacNeacail,  DomhnuU 
MacFhionghuin,  Ard  Fhear-teagaisg  na 
Gaidhlig,  an  Oilthigh  Dhim-eideann,  agus  am 
Morair  Napier  air  an  ceann  mar  fhear- 
cathrach.  Ma  chuala  mi  am  Professor  'g  a 
radh  aon  uair,  chuala  mi  e  'g  a  radh  fichead 
uair,  nach  b'urrainn  a'  Pharlamaid  Ceann  a 
b'fhearr  fhaotainn  do'n  Chommission  na 
Napier,  anns  an  robh  ceartas  agus  uaisle 
nach  gabhadh  lubadh. 

Cha  d'fheuch  an  Commission  ri  dad  a 
thoirt  do'n  Pharlamaid  ach  an  fhirinn  lorn, 
mar  fhuair  iad  sin  o  f hianuisean  a  bha  air  am 
mionnan,  ach  bha  an  sgeul  cho  bronach  agus 
cor  an  t-sluaigh  cho  truagh  's  gu'n  do  chuir 
a'  Pharlamaid  lamh  ann  an  Achd  nan 
Croitearan  gun  moran  tiine  a  chall.  Am 
bitheantas  gabhaidh  ubh  de'n  t-seorsa  so  iiine 
mhaith  'g  a  ghur,  m'an  tig  an  t-eun  as,  ach 
anns  na  laithean  ud  bha  buidheann  de 
dhaoine  smiorail  ann  an  Tigh  nan  Cumantan, 
daoine  a  bha  air  an  cur  ann  leis  na  siorram- 
achdan  Gaidhealach  a  dh'aon  ghnothuch  gus 


an  ctiis  a  thaobh  an  f hearainn  a  thag^r ; 
Domhnull  MacPharlain,  an  Earra  Ghaidheal. 
Friseal  Mac  an  Toisich,  an  Inbhir-nis  ;  an 
Dotair  Mac-a-Chleirich,  an  Gallaibh  ;  agus 
fear  no  dha  eile. 

An  uair  a  bha  an  t-Achd  'g  a  dheanamh 
anns  a'  Pharlamaid,  fo  chiiram  agus  fo  laimh 
Thearlaich  Trevelyan,  thog  na  GaidheU  an 
guth  'n  a  aghaidh  a  h-uile  latha  air  a'  bhonn 
nach  robh  e  a'  sguabadh  as  gu  buUeach 
cumhachd  nan  tighearnan  thairis  air  an 
f  hearann.  Ach  fad  na  h-tiine  bha  iad  toHichte 
gu  leor  leis,  oir  thug  e  do'n  chroitear  an  da 
rud  a  bu  mho  a  bha  dhith  air,  (1)  coir  air 
a'  chroit  cha  fad  's  a  phaigheadh  e  am  mal, 
agus  (2)  am  mal  a  bhi  air  a  shuidheachadh  le 
luchd-meas.  A  thuUleadh  air  sin  feumaidh 
an  t-uachdaran  eiric  reusonta  a  thoirt  do'n 
chroitear  air  son  mathachadh  air  bith  a  bha 
air  a  dheanamh  air  a'  chroit  no  air  na 
tighean,  ma  tha  e  'g  a  fagail. 

Ach  ged  bha  fuU  dhaoine  anns  a'  Ghaidheal- 
tachd teth  anns  na  laithean  ud,  agus  ged 
chuir  cinn  na  Parlamaid  soithichean-cogaidh 
agus  saighdearan  do'n  eilean  Sgitheanach 
agus  do  Thtriodh  air  eagal  gu'n  eireadh 
tuasaid,  cha  do  rinn  an  sluagh  dad  a  ruigeadh 
a  leas  naire  a  chur  orra  an  deidh  laimhe.  Cha 
robh  tighearna,  no  baillidh,  no  maor,  air  a 
mharbhadh  no  air  a  dhochunn,  ged  bu  mhor 
fearg  an  t-sluaigh  ris  an  t-Siorram  Ivory. 
Cha  b'ann  mar  sin  a  bha  ciiisean  an  Eirinn. 

Ach  ma  bha  fuU  dhaoine  teth  anns  na 
laithean  ud  a  thaobh  cuisean  an  Fhearainn 
chan  'eU  am  fuil  teth  an  diugh,  agus  ged 
sheideas  Lachlann  Grannd  an  fhideag  chan 
'eU  a'  mhor-chuideachd  a'  gabhail  suime  ; 
tha  e  mar  ghuth  a'  glaodhach  anns  an 
fhasach.  Ciod  an  t-aobhar  gu  bheil  an 
sluagh  leth-choma  no  lan-choma  ?  Tha,  a 
chionn  nach  'eil  gearan  aca.  Anns  na 
laithean  ud  bha  eucoir  air  a  dheanamh  orra, 
agus  bha  gearan  aca,  ach  chan  'eil  foirneart 
air  a  dheanamh  orra,  agus  cha  mho  a  tha 
gearan  aca  an  diugh,  ach  a  mh^in  gu  bheU 
an  sluagh  a'  fas  tana,  agus  nach  'eil 
barrachd  a  dh'airgiod  na  rioghachd  air  a 
chosd  air  a'  Ghaidhealtachd.  Ach  cha  ghearan 
sin  a  chuireas  teas  ann  am  fuU  dhaoine. 


Aig  an  Uinneig 


An  t.Urramach  Alasdair  Mac  an  t.Sagairt, 
M.A. 

AIR  an  taobh-duHleig  so  tha  iomradh  air  a 
dheanamh  gle  thric  air  na  mairbh  ach  anns 
an  aireamh  so  tha  e  iomchuidh  gu'm  biodh 
iomradh  air  a  dheanamh  air  a'  bheo,  seana 
mhinistear  Ghlinn-eilge   a  tha  fhathast  an 


deagh  shlainte  ged  tha  e  leth-cheud  bliadhna 
an  dreuchd  na  ministrealachd. 

Bha  e  da  fhichead  bUadhna  's  a  tri  'n  a 
Chleireach  aig  Cleir  Loch  Carrann,  agus  mar 
chomharadh  air  a'  mheas  a  bha  aig  a' 
Chleir  uile  air  thug  iad  dha  o  chionn  ghoirid 
dinnear  fhollaiseach,  aig  an  robh  tabhartas- 


AIG  AN  UINNEIG 


gaoil  air  a  thoirt  dha  ann  an  airgiod,  agus 
cl^r  riomhach  air  an  do  rinn  a'  Chleir  luaidh 
air  a  thalantan,  agus  air  a  chliii,  agus  air 
obair. 

Bha  e  'n  a  Chleireach  ann  an  Seanadh 
Ghlinn-eilg  o  1911  gus  an  robh  an  Seanadh 
sin  air  a  shlugadh  suas  aig  am  an  Aonaidh 
le  Seanadh  Rois,  Chataibh,  agus  Ghallaibh. 

Shaoileadh  tu  gu'n  giorraicheadh  obair  a' 
Chleirich  beatha  a'  mhinisteir  as  laidire  anns 
a'  Chleir,  ged  nach  biodh  ann  ach  gu  bheil 
aige  ri  bhi  sitheil  agus  faidhidinneach  ri 
braithrean  crosda,  ach  an  aite  am  beatha  a 
bhi  air  a  ghiorrachadh  tha  mi  an  duil  gu 
bheil  na  Cleirich  a'  faotainn  saoghal  na's 
fhaide  na  each.  Am  bliadhna  fhein  rainig 
dithis  Chleireach  air  a  bheil  mi  gu  maith 
eolach  an  lubilee,  agus  tha  a  choslas  orra  le 
cheile  gu'm  meal  iad  an  saorsa  iomadh  la 
fhathast. 

Bho'n  is  cuimhne  learn  bhithinn  a' 
cluinntinn  mhinistearan  eile  a'  bruidhinn  air 
Mghr  Mac  an  t-Sagairt  mar  "  mhinistear 
maith  sgire."  Thoisich  e  ann  an  Gleann- 
EUg  agus  chriochnaich  e  ann  an  Gleann-Eilg  ; 
toihchte  le  chrannchur,  eudmhor  anns  gach 
ctiis  a  bhuineadh  do  chor  spioradaU  an 
t-sluaigh,  agus  easgaidh  anns  na  gnothuichean 
aimstreil  a  dh'f  heumas  ministearan  a  ghabhail 
OS  laimh. 

A  thuiUeadh  air  gu'n  robh  e  daomian  air 
cheann  a  ghnothuich  'n  a  sgir  fein  bha  e 
fritheUteach  cuideachd  air  dol  do  na  coin- 
neamhan  an  Dim-eideann,  far  a  bheUear  a' 
seaUtainn  thairis  air  obair  na  h-eaglais,  agus 
chan  e  mhain  gu'm  biodh  e  air  uairean  a' 
bruidhinn  aig  na  coinneamhan  sin,  ach 
bhiodh  a  chomhairle  gle  thric  air  a  gabhaU. 
Gu  ma  fada  a  mhealas  Mghr  Mac  an  t- 
Sagairt  a  shlainte  agus  laithean  a  shaorsa. 

Tha  an  cairdeas  mar  a  chumar  e. 

Ma  thoimhsear  na  h-Eirionnaich  leis  an 
fhacal  so  nach  beag  a  tha  annta  de  fhuil  no 
de  spiorad  uasal  ar  daoine-ne.  Breatunn 
air  a  h-uUinn  agus  an  Roinn  Eorpa  uUe  an 
cunnart  saorsa  a  chaU,  ach  tha  Eirinn  caoia- 
shuarach,  agus  is  coma  leatha  ciod  a  dh'eireas 
do  Bhreatunn,  ris  nach  'eil  taobh  air  bith 
aice  ach  gamhlas.  A  thaobh  cron  a 
dheanamh  do  Bhreatunn  cha  rachainn  an 
urras  air  De  Valera  na's  mo  na  rachainn  an 
urras  air  Hitler  fhein.  Tha  teachdaire 
Hitler  'n  a  shuidhe  ann  an  Ath-chliath,  a' 
faotainn  fiosrachaidh  a  tha  feumail  do'n 
GhearmaUt,  agus  gun  naire  air  bith  air  na 
h-Eirionnaich  gu  bheU.     Bataichean-bathair 


Bhreatuinn  'g  an  cur  fodha  le  bataichean- 
fo-thuinn  na  GearmaUte,  a  mach  o  chladach 
Eirinn,  ach  cha  leig  Eirinn  leinn  ar  daoine 
no  ar  b^taichean  a  dhion  le  feum  a  dheanamh 
d'  am  baUtean-puirt  no  d'an  acarsaidean. 
Sin  agad  cairdeas  nan  Eirionnach  ! 

An  Raidheachan  Soisgeulach. 

Anns  an  aireamh  mu  dheireadh  de'n 
Raidheachan  so  tha  dha  no  tri  de  phaipearan 
a  leugh  mi  le  ro-aire  a  chionn  gu  bheU  iad  a' 
buntainn  ri  cuspairean  a  bhios  daonnan  'n 
an  cuspairean  beo  ann  am  beatha  na 
h-eaglais,  gu  sonruichte  da  phaipear  a  bha 
air  an  sgriobhadh  leis  an  Urramach  G.  W. 
Bromileg,  M.A.,  agus  leis  an  Ard  fhear- 
teagaisg,  an  t-Urramach  G.  T.  Thomson, 
D.D.,  an  Oilthigh  Dhim-eideann,  mu 
fhoillseachadh  an  Ti  Naoimh  air  fein,  agus 
mu  mhineachadh  an  Ehacail  a  tha  againn 
anns  na  Sgriobturan. 

Tha  an  anaU  aig  Karl  Barth,  diadhair  nach 
urrainn  gearan  a  dheanamh  air  an  f  haidhidinn 
leis  an  d'  eisdeadh  ris  o  chionn  bhliadhnachan, 
a  chionn  gu  bheUear  a'  saoUsinn  gur  f  aidh  e  a 
tha  an  da  chuid  ur  agus  scan,  a'  seideadh  gu 
laidir  anns  na  paipearan  sin,  ach  ged  nach 
'eU  dad  annta  ris  nach  'eil  mo  chridhe  ag 
aontachadh  tha  ni-eigin  annta  le  cheile  a 
tha  mo  reuson  a'  cm-  'n  a  aghaidh,  an 
t-amharus  a  tha  aca  nach  e  solus  a  tha  ann 
an  solus  reusoin  a  threoraicheas  mac  an 
duine  gu  Dia  athair.  Ann  an  seagh  tha  sin 
fior  gu  leor,  ach  tha  e  a  cheart  cho  fior  nach 
gabh  Facal,  no  FoiUseachadh,  no  Meadhon, 
no  Guth  eUe  ris  a  bheU  Dia  a'  labhairt  ri 
duine  dealachadh  o  sholus  a  reusoin.  Cha 
toigh  leam  idir  idir  am  fasan  so  a  tha  a'  toirt 
air  diadhairean  a  bhi  a'  diomoladh  reuson 
mhic  an  duine  ann  an  nithean  spioradaU, 
agus  ag  radh  nach  foiUsich  Dia  e  fein  gu 
brath  anns  an  t-solus  sin.  Tha  firinn  anns 
an  teagasg  sin,  ged  nach  'eU  an  fhirinn  uUe 
ann ;  ach  b'  aithne  do  dhaoine  ciiiin  i  fada 
m'an  do  thoisich  deisciobuU  Bharth  air  a 
glaodhach  air  na  sraidean.  An  uau'  a  tha 
rud  air  a  ghlaodhach  ro  thric  agus  ro  laidir 
tha  an  rud  sin  fhein  ag  atharrachadh  a 
dhatha.  Is  maith  a'  choinneal  solus  reusoin 
anns  gach  ni  fo'n  ghrein. 

Ach  chan  ann  idir  a'  faotainn  coire  do  na 
paipearan  ud  a  tha  mi,  oir  tha  aileadh  agus 
bias  maith  na  diadhaidheachd  annta  le 
cheUe,  ach  is  maith  leam  rabhadh  a  thoirt 
dhomh  fhein  an  drasd  agus  a  ris,  gu'm  bu 
cho  maith  dhomh  teagamh  a  chur  ann  an 
Dia  ri  teagamh  a  chur  anns  an  reuson  a 
thug  e  dhomh. 


Comunn  Nan  Cairdean 


ANN  au  eaglais  Chriosd  air  thalamh  tha 
iomadh  seorsa  dhaoine,  ach  'n  am  measg 
uile  chan  'eil  seorsa  idir  air  a  bheil  coslas  na  h- 
irioslachd  agus  na  diadhaidheachd  cho  soilleir 
's  a  tha  e  air  na  daoine  sin  ris  an  abair  an 
saoghal  na  Quakers,  ach  ris  an  abair  iad  fein, 
Comunn  nan  Cairdean.  Chan  'eil  iad  lion- 
mhor,  ach  air  a  shon  sin  tha  iad  cumhachdach 
anns  a  h-uiJe  diithaich  anns  a  bheil  iad ;  na 
's  cumhachdaiche  na  eaglaisean  eile  a  tha 
fhichead  uiread  riu.  Bheir  luchd-riaghlaidh 
an  t-saoghail  geill  do  no  Quakers  an  iiair  nach 
eisd  iad  ri  comuinn  Chriosdail  eile,  agus  is  e 
an  t-aobhar  air  sin  gu  bheil  fhios  aca  gu 
maith  gu  bheil  na  Quakers  daonnan  dileas 
agus  seasmhach  'n  an  aidmheil,  agus  nach 
Itib  iad  an  glun  ann  an  teampull  Rimmoin. 

B'  e  athair  a'  chomuinn  so  Seoras  Fox, 
Sasunnach  a  rugadh  ann  an  1624.  An  uair 
a  bha  e  mu  naoi  bliadhna  deug  thainig  e  fo 
bhuaidh  an  t-soisgeil.  Dh'  f hag  e  a  dhachaidh 
agus  a  chairdean  mar  a  rinn  Eoin  a'  Bhaistidh, 
ag  iarraidh  an  t-soluis  ann  an  uaigneas  agus 
ann  an  co-chomunn  ri  Dia.  An  ceann  greis 
thoisich  6  air  searmonachadh,  agus  'na  shear- 
monachadh  labhair  e  cho  laidir  ri  Eoin  fhein 
an  aghaidh  dhaoine  agus  bheachdan  nach 
robh  a'  cordadh  ris,  gus  mu  dheireadh  an  do 
chuireadh  anns  a'  phriosan  e.  Cha  bu  toigh 
leis  sagartan,  no  luchd-lagha,  no  saighdearan, 
oir  bha  e  de'n  bheachd  gu  robh  an  obair  aca 
calg-dhireach  an  aghaidh  prionnspalan  an 
t-soisgeil.  Thug  e  oilbheum  dhaibh  sin,  agus 
do  iomadh  neach  eile  aig  an  robh  lamh  ann 
an  nithean  a  bha  e  a'  diteadh,  air  chor  agus 
gu  robh  e  air  a  riiagadh  o  mhod  gu  mod, 
agus  o  phriosan  gu  priosan.  Ach  cha  b' 
urrainn  da  fuireach  samhach. 

Sin,  mata,  an  duine  a  chuir  air  chois 
Comunn  nan  Cairdean,  agus  gus  an  la  an 
diugh  is  ann  ri  teagasg  Sheorais  Fox  a  tha 
iad  a'  leantuinn,  ged  a  dh'  fhaodas  rud  beag 
de  atharrachadh  a  bhi  air  a  dheanamh  air  a 
theagasg  ann  am  puing  no  dha.  Am  measg 
na  feadhnach  a  b'  ainmeile  d'a  dheisciobuil 
faodar  iad  so  a  chunntas,  Uilleam  Penn, 
Ealasaid  Fry,  agus  Iain  Bright. 

A  thaobh  litir  a'  chreidimh  thea.gamh  nach 
'eil  dealachadh  mor  air  bith  eadar  na  Quakers 
agus  Criosduidhean  eile,  ach  a  thaobh  spiorad 
am  beatha  agus  an  giulan  anns  an  t-saoghal 
tha  iad  comharraichte  am  measg  chaich, 
agus  faodar  a  radh  culdeachd  gu  bheil  iad  a' 
leantuinn  ann  an  ccumanna  nan  abstol  na\s 
dluithe  na  eaglaisean  eile. 


Tha  iad  a'  cur  cudthrom  mor  air  an  fhmnn 
so,  gu'n  do  chuir  Dia,  tre  losa  Criosd  a  mhac, 
solus  ann  an  anam  an  duine,  solus  a  nochdas 
dha  ciod  a  tha  Dia  ag  iarraidh  air  a  dheanamh, 
agus  a  bheir  dha  neart  gus  aitheantan  Dhe 
a  choimhead.  Tha  iad  a'  steidheachadh  an 
teagaisg  so  air  briathran  an  abstoil  Eoin  a  tha 
ag  radh  gur  e  Criosd  beatha  agus  solus  dhaoine  ; 
an  solus  fior ;  a7i  solus  a  tha  soillseachadh  gach 
uile  dhuine  a  thig  a  steach  do  'n  t-saoghal.  Tha 
an  solus  so  ann  an  anam  a  h-uile  duine,  ach 
is  e  a  mhain  iadsan  a  tha  leantuinn  an  t-soluis 
a  tha  'n  an  cloinn  do  Dhia.  A  mheud  agus 
nach  'eil  a'  gluasad  a  reir  an  t-soluis,  cha 
bhuin  lad  do  Dhia,  ged  a  dh'  fhaodas  iad  a 
bhi  'n  an  luchd-aideachaidh.  Ged  tha  an 
solus  so  ann  an  anam  an  duine  chan  ann  o'n 
duine  fhein  a  tha  e  ach  o  Dhia ;  thainig  an 
solus  6  Dhia,  agus  bheir  e  dhachaidh  gu  Dia 
a  mheud  agus  a  bhios  'ga  leantuinn. 

Do  bhrigh  gur  e  an  solus  so  anail  agus 
Spiorad  Naemh  an  Tighearna,  a  tha  soills- 
eachadh inntinn  mhic  an  duine  a  thaobh  an 
t-saoghail  neo-fhaicsinnich  agus  diomhair- 
eachd  na  diadhaidheachd,  chan  'eil  iad  a' 
creidsinn  gu  bheil  feum  aig  ministearan  air 
sgoil  no  sgoilearachd  eile.  Tha  iad  a'  cumail 
a  mach  nach  'eil  e  a  reir  nan  Sgriobturan  a 
bhi  a'  cur  oileanach  oga  do  Chollaistean  a  dh' 
ionnsachadh  Greigis  no  Eabhra,  no  a  dh' 
ionnsachadh  urnuigh  no  searmon  a  dheanamh. 
Mar  sin  chan  'eil  ministearan  aca  mar  tha 
aig  eaglaisean  eile,  ach  daoine  a  thoisich  air 
searmonachadh  as  an  cinn  agus  as  an 
comhairle  fhein,  a  chionn  gu  robh  iad  a' 
faireachduinn  gu  robh  iad  air  an  gairm  leis 
an  Spiorad  Naomh.  Tha  iad  a'  creidsinn  gur 
e  saor  thiodhlac  o  Dhia  a  tha  anns  na 
gibhtean  a  tha  deanamh  duine  comasach  air 
searmonachadh,  agus  gur  coir  do  gach  duine 
a  fhuair  na  gibhtean  sin  an  cleachdadh  gu 
saor  ann  an  seirbhis  a  bhraithrean.  Chan 
'eil  iad  a'  toirt  paidheadh  air  bith  do  dhuine 
a  thoisicheas  air  searmonachadh,  ach  coltach 
ris  na  h-abstoil,  gheibh  e  aoigheachd  is  cuid 
na  h-oidhche  ann  an  aite  air  bith  an  teid  e. 

Anns  na  coinneamhan  a  bhios  aca  chan 
'eil  iad  a'  leantuinn  foirm  ixrnuigh  no 
aoraidh  mar  a  gheibhear  anns  na  h-eaglaisean 
againne.  Tha  iad  daonnan  a'  leantuinn  an 
t-soluis,  a'  labhairt  no  a'  fantuinn  samhach 
a'  reir  mar  tha  iad  air  an  seoladh  leis  an 
Spriorad  Naomh.  Tha  iad  a'  ceadachadh 
do  mhnathan  labhairt  cho  maith  ris  na  fir. 


{Ri  leantuinn. 


l-S-if  5i>